[TD 1] [Vol. 4. No. 1. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 6, 1895. No. 1. TOLLADH NA GUCAIG. FHIR MO CHRIDHE,—Tha mi cinnteach gur iomadh uair a chunnaic thu muinntir a’ cur na spàin-uibhe troimh ’n ghucaig ’nuair a dh’itheadh iad an t-ubh, ach cha ’n ’eil fhios agam an d’fhuair thu riamh fhathast a mach co bhuaithe dh’éirich an cleachdadh. Is iomadh uair a mhothaich mise dha ’n chleachdadh cuideachd, ach, gus o chionn fior ghoirid, cha d’fhuair mi ’mach c’arson a bhatar ris. Innsidh mi dhuit, mata, mar a fhuair mi mach e. Thachair dhomh a bhi bho’n tigh, agus chuir mi oidhche seachad ann an tigh duine glé chòir air nach robh a’ bheag a dh-eòlas agam aig an àm. ’S a’ mhaduinn an la-ar-na-mhaireach ’n uair a shuidh sinn aig ar biadh, ma bha gach rud air a’ bhòrd bha uibhean ann. Thug mi’n aire gu’n do chuir càch a’ spàinn troimh na gucagan, ach cha do shaoil mi dad dheth. Cha robh e riamh mar chleachdadh agam fhéin a leithid a dheanamh; a chionn cha robh dùil agam gu robh aon chuid math no cron ann. Cha dubhairt aon seach aon diog rium mu ’n chùis, ach cha robh mi fada gun a thuigsinn gu’n d’rinn mi dol as an rathad. Thainig searbhanta chaol, ghlas a steach do’n t-seòmar a thogail nan soithichean bhar a’ bhuird, agus ’se cheud rud a rinn i ’n spàin a stobadh triomh na gucagan a dh’fhalmhaich mi féin. Sheall i orm cho gruamach ’s ged a bhithinn an deigh olc ro mhor a dheanamh oirre. Cha robh mi idir a’ tuigsinn de rinn mi cearr ged a thuig mi gu’n d’rinn mi ni-eigin cearr. Thainig m’ fhuil ’nam aodann, a dhuine, leis an nàire. Thug fear an tighe an aire mar a rinn an searbhanta, agus mar a ghabh mi fhéin a leithid a dh-athadh. Nuair a thug i gach ni leatha ’s a dh’ fhàg i’n seomar dh’ fhaighnich mi dh’fhear an tighe de ’n seòrsa searbhanta a bha’ sid. “Tha fior dheagh shearbhanta,” ars’ esan, “ach tha mi faicinn gu bheil i ’n gruaim ribhse airson nach do tholl sibh na gucagan mu ’n d’ éirich sibh bho ’n bhòrd. Tha i làn de shaobh-chreidimh. Cha chuir an saoghal as a ceann nach ’eil buidsich agus bana-bhuidsich ann; agus tha e air aithris gu’m biodh na bana-bhuidsich, aon uair, a’ falbh na mara ann an gucagan nan uibhean. Tha i ’cumail a mach gu bheil an cumhachd ceudna aca fhathast, agus a chum bacadh a chur orra bho bhi, mar so, a’ falbh tha i ’g radh gur còir na gucagan a tholladh air eagal gu faigh iad gréim orra. A reir coslais nach dean gucag sam bith feum ach te a thogar bhar bùird an deigh a falmhachadh. Tha e air aithris gu’n teid na bana-bhuidsich ann an riochd luchaig, agus gu’n siubhail iad an cuan ann an gucag uibhe. Dh’ fheuch mise ri thoirt oirre ’n fhaoineis ud gu léir a leigeil as a ceann, ach dh’ fhairtlich i orm. Is ann a bha dùil aice gur ann a bheireadh i mise thun a beachd fhéin. Dh’ innis i iomadh naigheachd dhomh a chuala i mu ’n olc a bha na bana bhuidsich a’ deanamh. Nam measg bha té mar a leanas. Ars’ ise:— “Bha bata turus, a dol a mach a Loch Suaineart. agus chunnaic fear dhe na bh’ air bòrd gucag uibhe agus luchag innte pios beag air an fhuaradh, agus air dha thuigsinn an cunnart a bha dhoibh dragh sam bith a chur oirre ghrad dh’ innis e’ dh’ fhear na stiùire mar a bha, ’s dh’iarr e air cumail air falbh. Ach bha fear na stiuire cho fada ’na bharail fhein, ’s cho earbsach as an deagh bhata bha fo chosaibh ’s gu’n do fhreagair e, ‘Ge b’e air am bheil eagal teicheadh e.’ Ach, a mhic chridhe, ’n uair a chunnaic an té bha ’s a’ ghucaig gu’n robh ’m bata teannadh ro dhlùth dhi thuirt i àird a claiginn, ‘A Dhonnachaidh mhòir, a bhreunain, seachainn mo shruth’ Cha do leig Donnachadh air gu’n cuala e i, ach ghabh e seachad, agus cha mhor nach do luchdaicheadh a’ ghucag leis an stuaidh a bha briseadh o ghualainn a’ bhata. Thoisich an té bha ’sa’ ghucaig air gùidhe, agus so na bheil air chuimhne dhe na thubhairt i— ‘A Dhonnachaidh, ge mor do bhòsd Gheibh thu aobhar bròin gun dail; ’N uair thig gaoth a ifrinn fhuar, Och, mo thruaigh na th’ air sàil! Cluinnear sgeul mu ’n oidhche nochd Dh’ fhàgas iomadh té fo sprochd.’ “Cha d’ thug Donnachadh a bheag a’ chreideas do’n bhagradh so aig an àm, ach cha robh e fada gus an do thuig e gu robh e cho maith dha ’aghaidh a thoirt air a’ chala b’fhaisge dha. Dhubh an iarmailt, shèid a’ ghaoth, bheuchd an cuan, agus bha Donnachadh ’s a’ ghillean tapaidh nan cruaidh chabhaig a’ beagadh air an aodach ’s a’ feuchainn mar a b’fhearr a b’ urrainn doibh ri caladh a thoirt a mach. A dh-aindeoin ’na rinn iad chaidh an cur air cladach far an deach am bàta na connalaich; ach ghleidh iad fhéin am beatha a lomach-air-eiginn. Tha e air aithris gu’n deach call mòr a dheanamh air muir ’s air tir an oidhche ud. Co bha ’s a’ ghucaig, mata, ach te dhe na dòideagan Muileach ’si ’dol a dh’ amharc air a càirdibh do’n Eilean Sgiathanach, no a Leodhas.” “Sin agaibhse,” arsa fear an tighe, “an t-aobhar gu’m bheil an t-searbhanta agam-sa cho cùramach mu na gucagan. Tha e ’na ni brònach gu’m bheil cuid cho faoin ’nam barail ’s gu’n tugadh iad creideas sam bith dha leithid so do sgeul. Is ann aig an Uile-chumhachdach a tha ’s a bha riaghladh nan uile nithean ’s cha ’n ann aig na bana-bhuidsich.” Bha mise ro thoilichte ’nuair a thug mi nach d’rinn mi dol as an rathad bu mhò na na gucagan fhàgail gun tolladh. Aithnichidh mi nis co iad a tha toirt geill do’n t-saobh chreidimh so. Is mi do charaid. IAIN. [TD 2] [Vol. 4. No. 1. p. 2] EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH. (Air a leantuinn.) BHA ’chuid eile de na Gàidheil, muinntir Athuill, Clann Donnachaidh, Clann Iain Ghlinne-comhann, agus Clann Lachlainn, air an tarruing suas ’n an sreath eile leth-cheud slat air cùlaobh chàich, fo stiùradh Mhorair Nairn, agus eadar an dà chuid bha Tèarlach e féin. Bha de Ghàidheil a làthair ’s a bhlàr so dà mhìle agus ceithir cheud, agus do’n arm-dhearg trì cheud na bu lugha. Mhothaich am freiceadan a bh’ aig Cope do na Gàidheil a’ tighinn, agus thug iad sanas seachad. Bha ’nis bristeadh na fàir’ ann, bha ’n ceò ag éiridh suas, agus òg ghathan na gréine ag òradh àirde nan speur. Bha fhathast meall ceò eadar an dà fheachd, air chor ’s nach fhac’ iad a chéile, ged a thuig iad gu’n robh iad dlùth. Leanaibh mise, arsa Tèarlach, agus le còmhnadh Dhé ni mi an diùgh sibh ’n ar daoine sona. ’N uair a bha iad gu ’bhi ’n sàs thug na Gàidheil dhiubh am boineidean, agus chuir iad a suas ùrnuigh ghèarr. B’ uaislean air fad a bha ’s an t sreath thoisich. Bha gach Ceann-cinnidh ’am broilleach a dhaoine féin, agus na càirdean a bu dìsle dha m’a thimchioll. Thàinig am feachd Gàidhealach cho bras air an aghaidh ’s nach robh cothrom aig Cope air mòran a labhairt r’a chuid airm. Thog na Gàidheil, mar a bu nòs leo, aon iolach oillteil chatha, agus ann am prioba na sùl bha iad ’am bad an nàmhaid. Dh’ fhosgail an t-arm-dearg orra le’n airm-theine o thaobh gu taobh; ach bu shuarach so ’an aghaidh cruadal foghainteach nan laoch treun’ a bha ’tighinn orra. Cha d’ fhuair iad ach an aon lòd a thilgeadh ’n uair a bha luchd nam breacan le ’m biodaig ’s le ’n claidheamh ’n am broilleach. ’S e Mac Dhòmhnuill-duibh ’s a dhaoine, agus muinntir na h-Apunn, a thug a’ cheud fhuil. Thàinig na trupairean ’n an còmhdhail, ach ma thàinig cha b’ fhad’ a sheas iad. Thàinig Clann Dòmhnuill air an adhart, agus cha b’ iad a bu tàire, ’n a dhéigh sin Clann Ghriogair a dhearbh gu’m b’ airidh iad air cliù an sinnsireachd. Cha robh e comasach seasamh ’n an aghaidh. Ann an tiota chuir iad an ruaig air an arm-dhearg. Bha aon bhuidheann bheag, fo’n duine ainmeil, Còirneal Gardner, a sheas leo so an déigh d’a dhaoine féin ’fhàgail; agus a chuir an cath gu duineil, gus an do bhuaileadh gu làr e le iomadh creuchd fhuilteach, ann an sealladh a thighe féin. Cha do mhair an cath ainmeil so thairis air còig no sè a mhionaidean; ach anns an ùine ghèarr so, chaidh a choilion gnìomh foghainteach a dheanamh ’s a lìonadh leabhar cuimseach. Cha d’ fhuair as de ’n arm-dhearg air fad ach mu shè ceud; mharbhadh, no rinneadh prìosanaich de chàch. Theich an Ceannard Cope féin, agus cha do tharruing e srian gus an d’ ràinig e Dunbar. ’S ann le taitneachd a tha sinn a’ leughadh, ged a bha na Gàidheil cho cruadalach a chur na ruaige, gu ’n do thaisbein iad an caoimhneas a b’ iochdmhoire dhoibh-san a bh’ air an leònadh. Thàinig na Camshro aich do Dhun-éideann an ceann trì uairean an déigh am blàr a chur, a’ nochdadh gu follaiseach brataichean an airm-dheirg; agus air an là ’m màireach, thàinig am Prionns’ agus am feachd gu léir ’n an déigh, le [?] gu h-inbhe [?] mhor riu féin; agus còig fichead pìobaire a’ seinn gu caithreamach, ’n uair a thill iad mar so gu buadhar do Cheann-bhaile na rìoghachd. AM PRIONNS’ A’ CUR ROIMHE SASUNN A THOIRT AIR. “Thoir a nall leat pannal ghruagach, ’Luaidheas an clò ruadh gu daingean. Agus h-ò Mhòrag,” &c. An déigh do Phrionns’ Tèarlach, agus d’a dhaoine sè seachduinean a chaitheamh ann an Dun-éideann, agus ’n uair a thug e dùil nach éireadh tuilleadh dhaoine leis, chuir e roimhe Sasunn a thoirt air, ged a bha ’chuid bu mhò de Shasunn fo’n armaibh chum cur ’n a aghaidh. Bha fiughair aige ri còmhnadh as an Fhraing, agus bha làn earbs’ aige á cruadal nan daoine ’bha leis ’s an àm. Air latha Samhnadh dh’ fhàg e Lùchairt a shinnsir, agus chuir e e féin air ceann a chuid daoine, a bha ’nis ann an rogha misnich, leis an fhois a fhuair iad. Bha ann diubh mu thimchioll sé mìle fear, agus còrr agus an leth ’n an Gàidheil, a bha ’n deadh uidheam a thaobh éididh agus armachd. Ochd làithean ’n a dhéigh sin chaidh iad a steach do Shasunn, agus chuartaich iad Carlisle, a sheas a mach car latha no dha ’n an aghaidh, ach a ghéill dhoibh fa dheireadh—far an d’fhuair e mòran armachd, each, agus nithean luachmhor a chaidh a thasgaidh suas ann, a bhuineadh do dh’ uaislean na dùthcha mu’n cuairt. Chuir a’ bhuaidh a fhuair e air a’ bhaile so, iongantas air an rìoghachd uile; smaointich iad nach robh aon ni eu-comasach do na Gàidheil; ’s nach robh dhoibh ach gabhail air an aghaidh do Lunnuinn, a bhuannachd na bha ’n am beachd. Ach o so a mach cha robh soirbheachadh leo. Thòisich easaonachd ’n am measg féin. Bha cuid air son dol dìreach air an adhart do Lunnuinn, agus cuid eile air son pilleadh air an ais. Thàinig Diùc Uilleam agus an t-arm-dearg a bha maille ris ann am Flànras dhachaidh: bha deich mìle de dh’arm deanta ann an aon champ, a bhàrr air feachd lìonmhor a thogadh ’an Lunnuinn, air an robh an Rìgh féin ’n a cheannard. Ghairmeadh comhairle chogaidh ann an Carlisle, agus ’s e a smaointich iad dol air an aghaidh. Cha d’ éirich duine de na Sasunnaich leis, gus an d’ràinig iad Manchester, agus thréig mu thimchioll mìle fear d’ a dhaoine fèin e o ’n a dh’ fhàg e Dunéideann. Ann am Manchester fhuair e mu dhà cheud fear. Ghabh e air ’adhart air an t-slighe do Lunnuinn, gus an d’ ràinig e Derby, astar cheithir làithean o cheann-bhaile mòr na rìoghachd. Bha’n dà arm an so mar bheagan mhìltean d’a chéile, agus bha fiughair aig na Gàidheil a h-uile mionaid a bhi’n sàs anns an arm-dhearg. ’N uair a chualas ann an Lunnuinn gu-n robh na Gàidheil cho dlùth dhoibh, ghlac oillt agus uamhunn gach neach ’s an àite; agus cha robh an t-arm-dearg féin saor o eagal, ionnas na’m biodh iad air coinneachadh ’s an àm, b’i barail dhaoine gu’m buadhaicheadh na Gàidheil, agus gu’m faodadh Rìgh Deòrsa an rìoghachd ’fhàgail mar a rinn Rìgh Seumas roimhe. Ach chunnaic am Freasdal iomchuidh a’ chùis ’òrduchadh air dhòigh eile. Fhuair am Prionnsa fios gu’n robh trì mìle saighdear, fo Mhorair Strathallan a ’tighinn ’n an déigh a chum an còmhnadh; agus an déigh comhairle chogaidh a chumail, shònraich iad nach robh dhoibh ach amsideachd aghaidh a thoirt air [?] a dh’ [?] dh’ fhaod am [TD 3] [Vol. 4. No. 1. p. 3] Prionns’ a ràdh, no ’dheanamh, chuir iad rompa pilleadh air an ais do dh’ Albainn. PHILL AM FEACHD AIR ’AIS. Ghluais am feachd fada roimh latha, agus o nach d innseadh dhoibh ciod a bha ’m beachd nan Ceannardan, shaoil iad gu’n robh iad a’ dol ’an coinneamh an nàmhaid; bha iad ann an àrd mhisnich, agus ro dheònach gu’n tachradh sin; ach ’n uair a thàinig solus an latha ’s a thuig iad gur ann a’ pilleadh a bha iad, cha mhòr nach deach’ iad air bàinidh le farran agus mì-thlachd; agus inntinn Thèarlaich féin, thuit i gu tur. Bha dol air ’ais nan Gàidheal air a chumail cho dìomhair ’s gu’n robh iad astar dà latha air an t-slighe do dh’ Albainn, mu’n do thuig an t-arm-dearg gu’n do phill iad. BLAR CHLIFTON. Cho luath ’s a chuala Diùc Uilleam so, chaidh e air an tòir leis gach feachd a b’ urrainn da a chur r’a chéile; agus thàinig e ’suas riu aig Clifton. Bha ’chuid fa dheireadh de dh’arm Thèarlaich fo riaghladh Mhorair Deòrsa Moraidh. Bha Stiùbhartaich na h-Apunn, Mac Dhòmhnuill-duibh ’s a dhaoine, Clann Dòmhnuill Ghlinne-garadh, agus reiseamaid Fir Chluainidh aige, agus leis a’ bhuidheann bhig so, chuir e roimhe aghaidh a thoirt air na Sasunnaich a bha ’nis a suas riu. Bha dorcha nan trà ann: cha robh aca ach fann sholus na gealaich, ’n uair a chaidh iad ’an caramh a chéile. Thugadh greadan goirt, chuireadh an ruaig air na Sasunnaich, mharbhadh ceud gu leth dhiubh, ach cha do thuit ach dà-fhear-dheug de na Gàidheil. Lean a’ chuid de’n arm a chuir an total so a’ chuid eile aig an robh toiseach orra; agus air do Thèarlach trì cheud fear fhàgail ann an Daingneach Charlisle, ghabh e féin agus càch air an adhart do dh’ Albainn. ’N uair a ràinig iad a’ chrìoch, bha’n ahhuinn Esc air at cho mòr ’s gu’n robh e deacair dhoibh dol thairis: ach ’n uair a chunnaic iad fraoch badanach an dùthcha féin thog e am misneach, fhuair iad a nunn, agus thog iad aon iolach ghàirdeachais, a’ dì-chuimhneachadh na thachair, agus suarach mu na bha rompa. Mar so air an àm so chrìochnaich an oidhirp a thug iad air Sasunn; agus oidhirp a b’fhoghaintiche na i cha d’ thugadh. Mhair an ionnsuidh sè seachduinean; agus thugadh i ann an dùthaich agus ’am measg dhaoine a bha naimhdeil dhoibh-san, agus do na bha ’n am beachd. Thugadh an ionnsuidh ann an làthair feachdan lìonmhor ach air an robh sgàth teachd ’n an rathad. O’n là a chaidh iad a stigh do Shasunn gus an do thill iad, cha do chaill iad á còig mìle fear ach dà fhichead. Ghiùlain iad a’ bhratach a thogadh ann an Gleann-fìonain gu buadhar a stigh do chridhe Shasuinn, agus thug iad air a h-ais i gun tàmailt ’fhaotainn as gach cunnart anns an deachaidh i. AM PRIONNS’ ANN AN GLASCHO. Dh’fhàg sinn Prionns’ Tèarlach, agus a dhaoine air fòid Alba, an déigh pilleadh á Sasunn. Ràinig iad Glascho air latha Nollaig; agus chuir am Prionnsa am baile fo chìs a chum ’fheachd a chur ’n an uidheam, air an robh iad fìor fheumach an déigh an cuairt do Shasunn. An déigh dha fuireach ’s a’ bhaile ré dheich làithean, agus na bha dhìth air ’fhaotainn, ghabh e a thurus air an t-slighe do Shruileadh; agus an uair a ràinig e, dh’ àithn e do’n bhaile strìochdadh. Dh’ asluich ìad beagan ùine gu smaointeach air, fhuair ìad sin, agus an ceann na h-ùine ghéill an baile, ach sheas an Caisteal a mach; agus chuir an t-uachdaran roimhe nach strìochdadh e. Mar so bha’n t-arm Gàidhealach, a bha mu thimchioll naoi mìle fear ann an àireamh. Bha’n t-arm-dearg a’ cruinneachadh a stigh do Dhun-éideann as gach cèarna, agus bha’n dùthaich a’ deanamh gach ccmhnaidh leo a dh’ fhaodadh iad. ’N uair a chruinnich an t arm-dearg, a bha ann an àireamh dlùth air naoi mìle fear, chaidh an cur fo òrdugh a’ Cheannaird Hawley, a chuir e féin ’n a uidheam, le mòran spagluinn, a dhol air tòir Thèarlaich. BLAR NA H-EAGLAISE-BRICE. Ràinig e dlùth do’n Eaglais-bhric agus an sin tharruing e ’suas an t-arm. Cha robh Tèarlach ’n a thàmh, chuir e roimhe coinneamh a thoirt doibh, agus theann e ’n an còmhdhail. Cha chreideadh Hawley gu’n robh a dhànadas aig na Gàidheil ionnsuidh a thoirt air: bha e uime sin gun umhail, gun fhiamh, a cost na h-ùine ’am fleadhachas le Bana-mhorair Chill-màrnoc. ’N uair a bha esan ’s an t-suidheachadh so, tharruing na Gàidheil dlùth air monadh na h-Eaglais, ’s an uair a fhuair e fios air so, chuir e mòr dhoimheadas air; ach cha robh ùine ri chall. Leum e air ’each, agus anns a’ chabhaig mharcaìch e gun chòmhdach cinn a dh’ ionnsuidh an airm, a fhuair e air an tarruing suas, ullamh gu triall ’an coinneamh nan Gàidheal. Air a’ cheart àm so dh’fhàs na speuran gu dorcha, duaichnidh, shéid a’ ghaoth gu làidir o’n àird’ an Iar-dheas, bha ’h-uile coslas stoirm ghàbhaidh air; agus chuir na Gàidheil rompa cothrom a’ bhruthaich agus an t-soirbheis a chosnadh, mar a rinn iad air Sliabh-chlamhain. Thug Hawley so fainear, agus chuir e roimhe gu’m biodh toiseach aig orra, ’s nach éireadh dha-san mar a thachair do Chope. Thug e àithne do’n mharc-shluagh, àird’ an t-sléibhe a thoirt orra cho luath ’s a b’urrainn casan an cuid each an giùlan; agus gu’n leanadh an t-arm coise iad mar a b’fhèarr a dh’fhaodadh iad. Bha na gunnachan mòra air deireadh na cuideachd, air an tarruing le Cairteirean de mhuinntir na h-Eaglaise brice, agus cò dhiubh is ann a thaobh tuiteamais, no le deòin a thachair e, cha b’ fhios do dhaoine ’s an àm; ach chaidh na h-inneil-iomchair an sàs ann an làthaich dhomhain, as nach b’urrainnear an tarruing. ’N uair a thuig na Cairteirean so (oir bha iad ’an deadh rùn do Thèarlach) ghèarr iad na beairtean, agus phill iad gu luath air an ais do’n bhaile. Thòisìch a nis a chòmh-ruith chruaidh eadar an dà fheachd, a dheuchainn cò a bu luaithe a ruigeadh am mullach, agus an doinionn a’ séideadh gu searbh an aghaidh nan Sasunnach. Bha na Gàidheil, mar a bu nòs, gu bearraideach, sgairteil; agus thàrr iad am mullach air thoiseach air an arm-dhearg. B’iad Clann Ghriogair a bh’air thoiseach nan Gàidheal, agus uaithe so ghleidh iad an làmh-dheas fad an latha. (Ri leantuinn.) Bha bhan-righ air chuairt air a Ghàidhealtachd air a mhios a chaidh seachad. Bha i ann air son a slàinte, agus chaidh i moran na b’ fhearr mu’n do thill i a Shasuinn. Tha h-uile coltas oirre gu mair i àireamh bhliadhna chan fhathast. Marbhaidh Cherokee Vermifuge biastan. [TD 4] [Vol. 4. No. 1. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 6, 1895. Tha MAC-TALLA nise tri bliadhna dh’ aois, agus leis an àireamh so a’ toiseachadh air a’ cheathramh bliadhna. Ré nan tri bliadhna chaidh seachad, thainig seachd fichead àireamh ’sa h-ochd a mach. ’N uair thainig a’ cheud àireamh dheth a mach, bha moran dhe’n bharail nach b’ fhada mhaireadh e; bha moran ag radh nach ruigeadh e ceann na bliadhna. Ach a dh’ aindeoin gach droch mhisneach a bh’ aig a chàirdean dhà thaobh, fhuair e gu ceann na ceud bliadhna, ’s na darra ’s na treas bliadhna, agus tha e nise tòiseachadh air a cheathramh bliadhna, agus earbsa na’s fhearr aige as an am ri teachd na bh’ aige riamh fhathast. Tha e an dòchas gu ruig e cha’n e mhàin ceann na ceathramh ach ceann iomadh bliadhna eile. Tha tri seòrsa de luchd-gabhail aig a h-uile paipear, agus tha iad aig MAC-TALLA cho math ri càch. ’Sa cheud àite tha iadsan a phàigheas aig toiseach gach bliadhna. ’S an darra h-àite tha iadsan a phàigheas uaireigin roimh cheann na bliadhna. Agus anns an treas àite tha iadsan a tha coma cuin a phàigheas iad, no ged nach pàigheadh iad idir. ’Se cheud ’s an darra seòrsa, gu h-àraidh a cheud sheòrsa, neart agus cùl-taic a phaipeir, agus an seòrsa mu dheireadh, tha iad ’ga chumail air ais. Tha sinn an dòchas air a bhliadhna so, gu’m bi an luchd-gabhail uile anns a cheud, no co dhiu anns an darra seòrsa, agus ma bhitheas, bi’dh soirbheachadh leis a’ MHAC-TALLA. A Ceap Nor. Fhir-deasachidh Ionmhuinn,—’S fada o nach facas facal de naidheachdan an àite so anns a MHAC-TALLA. Thainig an samhradh a steach am bliadhna ni’s tràithe na rinn e riamh, ach tha’n aimsir air a bhi cho tioram ’s gu’m bi call mor air a dheanamh air toradh na talmhainn mur tig uisge a’n ùine ghoirid. Tha mòran tinn leis a ghrip aig an àm so, ’s cuid eile air faotinn thairis air. Tha’n truithach, a bha air feadh an àite fad a’n earruich, a nis anns gach tigh eadar an acarsaid a deas agus an Rudha Geal, ’s tha àireamh chloinne air caochladh leatha. Tha cuid ag radh gu bheil an grip ’na cois an dràsda. Tha cuideachd Innseanach o’n Amhainn Mheadhonaich, air teachd do’n àite o chionn ghoirid. Tha iad ri cùbaireachd, basgaidean, agus obair eile. Tha dlùth air da-fhichead bliadhna o na dh’fhàg na h-Innseanaich an t-àite, ’s tha moran de’r ’n òigridh nach faca aghaidh aon de’n t-seòrsa gu ruige so; ’s bha iad a cruinneachadh nan sgaothan a ghabhail a cheud seallaidh dhiubh. Tha’n co-thional so a cur ma dheighinn am manse a mheudachadh roimh thoiseach a gheamhraidh, le cidsinn rùmail a chur ris. ’Nuair a bhios an obair criochnaichte, tha sinn an dùil gu’n teid Mr. Mac Leoid a ghabhail còmhnuidh anns a mhanse, a làn chreidsinn nach math an ni do’n duine ’bhi na aonar. Tha fear-lagha claon-bhreitheach, Iain Mac Cabe, an deigh an darra h-ionnsuidh a thoirt air cliù Mr. Mhic Leoid, anns a “Halifax Herald.” ’S ann aige tha’n t-aodann air bheag nàire, agus an ceann air bheagan céill. Tha e ’n dùil gum faod e gabhail dha mar a thogras e, ’s gu’n cum e ’n sluagh air a laimh le pàirt de chuid brosgail fhéin. Biodh an clocaire truagh foghlum gu bheil an sluagh so cho ceangailte ri ’m ministeir ’s nach dean a chuid brosgail san feum sam dha. ’S fortanach dha nach robh e maille ri clann Israel air an turas troimh ’n fhàsach, oir ’s ni cinnteach nach faigheadh e ni bu dluithe do thir Chanann na fhuar Corah, Datan, agus Abiram. AN TUATHANACH BAN. B’e Dior-daoin s’a chaidh co-ainm an latha air ’n do sgar na Stàitean iad fhein bho Bhreatuinn sia fichead bliadhna air ais. Tha ’n latha sin air a chumail gach bliadhna le mòran gleadhraich us losgadh fùdair, agus le mor sgios agus sàrachaidh cuirp do na h-uile bhios a gabhail pàirt ann. Cha’n eil rian air na tha dh’ airgiod air a chosg anns na Stàitean gach bliadhna a cumail an latha ud. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 5] [Vol. 4. No. 1. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt gu bheil Mèinn Victoria ri bhi air dùnadh mu mheadhon an fhoghair. Tha sinn an dòchas nach eil sin fior; ma tha, bidh e na chall mor do iomadh neach. Bha fear a mhuinntir Nobha Scotia, Aonghas D. Gilbert, aig cùirt ann am Boston air an t-seachdain s’a chaidh, air son caileag bheag aois ochd bliadhna, a mhort, agus fhuaireadh ciontach e. Tha e glé choltach gu’m bi e air a chrochadh. Thainig gille òg a mhuinntir Halifax, Fred Flemming, ri bheatha fhéin anns na Stàitean air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fhag e ’n tigh toiseach na bliadhna. ’Se ’n t-aobhar a bh’aige air cur as dha fhéin gu robh a fairtleachadh air cosnadh fhaotainn. Chaidh soitheach iasgaich fodha air cladach Newfoundland an la roimhe agus chailleadh gach aon a bh’air bòrd. Tha an t-iasgach glé mhath ann an Newfoundland air an t-samhradh so, na’s fhearr, tha iad ag radh na bha e o chionn deich bliadhna fichead. Cha’n eil an t-iasgach ann an Ceap Breatunn ach glé fhad air ais. Tha mèinn òir a tha anabarrach beairtcach air a h-ùr fhaighinn ann an Columbia Bhreatunnach. Bhatar ag obair innte o chionn ghoirid a cur deuchainn oirre, agus chuireadh a mach fiach ceithir fichead dolair ’sa deich ’s an uair. Tha i nise air a ceannach aig cuideachd làidir a tha ’dol ’ga h-oibreachadh le neart. Tha iad an dùil gu’n teid aca air fiach da mhile dolair, no da mhile ’s coig ceud, a chur a mach aisde a h-uile latha. Thainig fios gu Sidni Tuath an la roimhe ag innse gu’n deachaidh Eoseph Domhnullach, duin’ òg a mhuinntir a bhaile sin, a mhort air bòrd soithich air an robh e seòladh, faisg air cladach Shina. Bha e na dhuine siobhalta, modhail, air an robh deagh mheas aig a chuid bu mhò de sgioba ’n t-soithich. Chaidh e fhéin us fear de na seòladairean do’m b’ainm Mc Kenna, bhar a chéile, agus gun rabhadh sam bith, thug am fear eile mach sgian, agus stob e ’na chorp i, ’ga mharbhadh air a bhad. Chaidh am mortair a thoirt gu Hong Kong far am bheil e ri bhi air fheuchainn. Thachair so air an 22ra latha de dh’ April. Bha Holzheur, an seòladair Gearmailteach a loisg air Caiptean Ruairi Mac Nèill air bòrd an t-soithich ’san earrach, ’sa leòn e gu dona, air beulaobh na cùirte mòire ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh agus chaidh a shaoradh. Rinn dithis dhotairean a mach gu robh ’n duine as a rian, agus mar sin cha d’fhuaireadh ciontach e. Chaidh a chur air ais dh’an phriosan a dh’fheitheamh fios o’n luchd-riaghlaidh ciod a dheanta ris. Cha’n eil teagamh nach cuirear dh’an tigh chaothaich e. Bha ’n Caiptean Mac Neill air chuairt an Ceap Breatunn air an t-samhradh so, agus chuir e seachad còrr us seachdain dhe ’ùine ann an Sidni. Tha làrach nam peilearan ri ’m faicinn air fhathast. Thainig frasan briagha uisge Di-luain s’a chaidh. Bha’n talamh gu math tioram roimhe sin, agus bha’n t-uisge gle fheumail. Shil frasan mora air taobh eile ’n eilein air an t-seachdain s’a chaidh, ’nuair bha ’n tiormachd aig a h-àirde ann an so. Tha ’m bradan glé phailt ann an Columbia Bhreatunnach air an t-samhradh so, tha iad ag radh, na’s pailte na bha e ri fhaotainn o chionn ioma bliadhna. Chaidh aon fhear a ghlacadh a thomhais ceithir fichead punnd ’sa tri. Thatar an deigh moran dhe’n iasg a chur a null a Bhreatuinn, far am bheil féill mhor air. Chaidh an Dotair Buchanan a chur gu bàs, anns a phriosan an New York ’sa mhaduinn Di-luain s’a chaidh. An deigh gach riasladh a bha uime, ’toirt a chàs bho chùirt gu cùirt’ a dh’ aindeoin gach dichioll a rinn e fhéin sa chàirdean air a chumail o’n bhas, b’fheudar géilleadh. Choisinn ceart agus tha e nise air beulaobh an ard-bhreitheamh shuas. Tha fear Tearlach Alexander a mhuinntir Montreal an deigh dileab mhor fhaotainn. Tha e nis air a dhearbhadh gur h-e oighre dligheach air oighreachd Iarla Shruileigh, oighreachd cho farsuing ’s cho beairteach ’sa tha ’n Aibainn air fad. Am measg nan taighean ’s nan togalaichean mora th’air an oighreachd tha seann Chaisteal Shruileigh, caisteal a bha glé iòmraiteach ann an Alba ’s na h-amannaibh a dh’ fhalbh. Bha Alexander roimhe so àireamh bhliadhnaichean na fhear-pàrlamaid. Tha e aig an àm so ri ceannachd ann am Montreal. Iadsan a Phaigh. D. C. Friseal, M. P., New Glasgow. N. S. Oil-thigh Phine Hill, Halifax, N. S. Ailein Mac Gilleain, Halifax, N. S. Donnacha Mac Leoid, Halifax, N. S. Tomas Siosal, Marydale, N. S. Alasdair Mac Calamain, Orwell, P. E. I. Murcha Mac Laomuinn, Stenchel, P. E. I. Iain L. Brower. New York, U. S. Caipt. Ruairi Mac Neill, New York, U. S. Tormoid Moireastan, Peveril, Que. Ceit F. Nic Leoid, Peveril, Que. W. I. Lister, Dursley, Sasuinn. Niall Mac Leoid, Dun-éideann. A. R. Mac Leoid, Sruileigh, Alba. Aonghas Mac Gill-fhaollain, Stewartdale. Mairi Mhathanach, Sidni. Donnacha Domhnullach, Sidni. Padruig Mac Fhionghain, New Canada. Murcha Mac Gilleain, Margaree. Iain H. Caimbeal, Lime Hill, ($2.00.) D. I. Domhnullach, Glace Bay. Aonghas Buchanan, Marsh Lake. Aonghas Mac Leoid, St. Ann’s. Niall Domhnullach, Baddeck, ($5.00.) Uilleam Patterson, Forks Shidni. Fionnladh Mac Aonghais, Sidni Tuath. Domhnull Mac Leoid, Sidni. Mairi E. Nic Neill, Gardiner Mines, 50c. I. B. Mhoireastan, St. Ann’s 50c. Calum D. Mac Leoid, Beinn Chain, 25c. Bean Neill ’Ic Leoid, Beinn Chain, 25c. D. A. Smith, Bai ’n Iar, Beinn Chain, 40c. Ruairi Mac Leoid, Dunbheagain, Ont. 20c. PIC-NIC. Tha Pic-nic mhor gu bhi ann an Nyanza, an siorrachd Victoria, Dior-daoin s’a tighinn (an 11mh latha.) Tha iadsan a tha ga chur air adhart a cur rompa gu’m bi gach aon a theid ann làn riaraichte le thurus. Tha na Cluichean Gàidhealach, Fidhlearachd, us Piobaireachd gu bhi aca. Tha ’n t-airgiod a nithear suas ri bhi air a chur gu pàigheadh Talla na Stuamachd an Nyanza. Bu choir do na h-uile dhol ann. A PHRIS 25c. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON, THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 6] [Vol. 4. No. 1. p. 6] An Reul “Mars.” Tha Mars coig uairean nis lugha n’an talamh, ach aig astar mòran nis faide o’n ghréin. Tha Mars mu thimchioll ceithir mìle agus da chéud de mhìltibh troimhe, agus sia fichead agus coig muillean de mhìltibh air falbh o’n ghréin. Tha’n réult so a’ siubhal ’na cearcall fein, dà fhichead agus seachd mìle de mhìltibh ann an uair, agus a’ criochnachadh a turais ann an aon uair ni’s lugha na sia cead, ceithir fichead agus seachd laithean. Tha bliadhna Mhars, uime sin, ach beag co fada ri dhà de na bliadhnaibh againn-ne. Tha’n réult so a’ tionndadh air a mul fein ann am fichead agus ceithir uairibh, agus da fhichead mionaid, air chor ’s gu’m bheil là Mhars dà fhichead mionaid ni’s faide na là na talmhainn. Ma tha créutairean réusonta ann am Mars, cha’n fhaic iad a’ghrian ach leth co mòr is a ta sinne ga faicinn, agus cha’n fhaigh iad ach a leth uiread soluis agus teas uaipe, ’sa ta sinne a’ faotuinn. Ma tha gealach idir aig an réult so, cha’n urrainn sinne a faicinn aig a lughad; ach ma tha créutairean ann am Mars, chi iad an talamh agus a’ ghealach againn-ne, mar dhà ghealach, tè dhiubh beag, agus an té eile mòr, a’ sir chaochladh gun a bhi idir lán! Le gloineachaibh-amhairc chithear coslas chuantan agus thirean ann am Mars; agus chithear, mar an céudna, aogas sneachda air na h-earrannaibh sin deth, a ta air chùl na gréine; agus tha daoine foghluimte a’ co’-dhùnadh gur sneachd a th’ann, do bhrigh gu’m bheil e anabarrach geal, agus gu’m bheil e falbh gu h-iomlan, an uair a bhuaileas teas na gréine air na h-ionadaibh sin far am bheil e ’laidhe gu domhain re geamhraidh na reilte so. Air d’ i a bhi mòran ni’s faide o’n ghrein n’an talamh, cha’n fhaicear i a chaoidh a’ teachd, cosmhuil ri Mercuri agus Bhénus, eadar an talamh agus a’ ghrian, gidheadh, aig amannaibh sònraichte chithear i a’ siubhal mu’n ghréin ’na cuairt fharsuing fein! Air an taobh a mach do Mhars tha ceithir réulta beaga a cuairteachadh an gréine, gach aon ’na cearcall fein. ’S iad so BHESTA, IUNO, CERES, agus PALLAS, agus cha’n ’eil am meud ach beagan ni’s mò na a’ ghealach againn-ne. Tha iad da uair co fad o’n ghréin ri Mars, agus a gabhail a dha uiread ùine chum cuairt a chur air a’ ghréin. Cha’n ’eil ach goirid o’n fhuaradh a mach iad, agus tha iad co beag, agus aig astar co fad air falbh, is nach ’eil dùil aig sluagh gu’n rannsaichear iad a chaoidh a mach air mhodh cinnteach. Comhairle do Mhathairichibh. An ni sin a’s miann leat a radh ri d’ chloinn, abair e a nis’ oir feudaidh am bas do ghearradh as ad lan neart, agus feudaidh iadsan araon do lathaireachd agus do chomhairle a’s fearr a chall. Os ceann gach ni guidh a nis air son an ni sin a’s fearr leat, oir cha ghnathaichear anail na h-urnuigh gu diomhain. Ma shinear a nach laithean do bheatha, tha aobhar taingeileachd agad ach thoir fainear gu ’m bheil t-uine a’ ruith seachad, agus tha do chlann a’ fas suas, gun fhios gun aire dhuit gu inbh fhear agus bhan, lan dhe ’m beachdaibh agus dhe’n innleachdaibh fein. Uime sin, teagaisg iad a nis ’n an oige aig do ghluin féin, agus bheir iad barrachd geill duit aig an aois sin na do ’n t-saoghal. Cuir nithe an ceill doibh a nis a reir an tuigse, agus la an deigh la doirt a stigh ’n an cridhe na teagasgan mllis, soisgeulach sin, a sparradh ort le d’ mhathair fein ann an laithibh d’ oige. Bithidh na nithe sin dhoibhsan ’s an am ri teachd mar “thobar uisgeacha beo,” as an ol iad gu pailt agus anns am bi air an ath-urachadh. Anns an am a ta lathair, feudaidh iad a bhi mi-churamach, air doibh a bhi aineolach air luach nan teagasg a ta iad a’ faotuinn; ach is aithne dhuitse an luach, uime sin is e do dhleas’nas iadsan a dheanamh eolach orra mar an ceudna. Abuichidh do bhriathra gliocais ri h-uine gu bhi ’n an sguabaibh oir, leis an deanar do shliochd da-rireadh saibhir, cia ac a chi no nach fhaic thu fein e. Cuimhnich gu ’m bheil an Droch fhear dichiollach ann an cur a’ choguill, a’ glacadh gach fath agus cothroim chum sin a dheanamh. Ach mar mhathair ghradhaich, dhileis, dhleas’nachail, dean barrachd dichill ann a bhi ’cur an deagh shil. Gabh comhairle an duine ghlic, a thubhairt, “Anns a’ mhaduinn cuir do shiol agus ’s an fheasgar na toir air do lamh sgur.”—(Eccles. xi-6.) SGIATHANACH ’SA GHAIDHEAL. Bha na sgoilean anns na bailtean air an dùnadh air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha na sgoilean air an dùthaich air an dùnadh an dé. An Iolair. Am measg éunlaith an adhair cha’n ’eil a h-aon cho làidir agus cho garg ris an iolair. Ni i a nead ann an sgeiribh àrd-chreagan, fad o àite-còmhnuidh dhaoine; agus an uair a bheir i a mach a h-àl, altrumaidh i iad le pailteas do shithionn. Marbhaidh i cearcan-fraoich, agus uain, agus air uairibh caoraich air an son, agus cha leig i dìth ni air bith orra gus am fàs iad làidir agus comasach gu solar air an son féin. Mairidh an iolair beò gus am bi i dlùth air dà cheud bliadhna. Tha seòl aice air a cloimh a thilgeil ’nuair tha i fàs trom agus mall, agus air an dòigh so tha i ’ga neartachadh féin mar gu’m pilleadh a h-òige a rìs. ’Se so tha an Salmadair a’ ciallachadh ’nuair tha e ’g ràdh “Gu’n sàsuich maitheas an Tighearn beul an duine, air chor is gu’n ath-nuadhaichear ’òige mar òige na h-iolaire.” Tha amhrus aig daoine ’n dràsda gu bheil Ruisia a’ cur roimpe bristeadh air an t-sith, agus deannal a thoirt air Iapan. Aig crioch a chogaidh a bh’ eadar Iapan us Sina an uiridh, fhuair Iapan caob mor fearainn bho Shina air an robh sùil shanntach aig Ruisia o chionn iomadh bliadhna. Tha eagal oirre nise ma leigeas i le Iapan i fhein a neartachadh anns a chearna sin, gu’m bi e air a chur as a rathad gu buileach. Tha i co-dhiu ag ullachadh air son cogaidh, agus tha fior choltas gu bheil clichdireachd air chor-eigin ’na beachd. Minard’s Honey Balsam, math gach nair. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. [TD 7] [Vol. 4. No. 1. p. 7] Bais. Ann am Port Morien, air an 23 latha dhe’n mhios a dh’ fhalbh, chaochail Caitriona Nic Odrum, bean Iain Mhic Fhearghais, 36 bliadhna dh’ aois. Bha i ’na boirionnach càirdeil, siobhalta, cóir, agus bha mor mheas oirre a measg na h-uile chuir eólas oirre. Ghiulain i a tinneas le foighidin ag earbsa ’na slànuighear. Dh’ fhág i moran chàirdean na deigh a tha ’ga caoidh gu mor. “Esan a chreideas annamsa, ged robh e marbh bithidh e beò.” Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS. Leighis mi droch reubadh air each le MINARD’S LINNEIMT. St. Peters, EDWARD LINLIFF. Leighis mi droch at air each le Minard’s Liniment. Bathurst, N. B. T. W. PAYNE. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C.B CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. [TD 8] [Vol. 4. No. 1. p. 8] TAIGH-DIGE NAN FEAR EACHANNACH. LE ALASDAIR BUIDHE MAC IAMHAIR. (Air a leantuinn.) ’S bha ceannard fialaidh, fiughantach, ’Bha miadhail, rianail curamach, Ceann-uidhe chliar is dhiulanach. ’San teaghlach mheadhrach, mhuirneil ud, ’Tha’n nochd gun smuid, gun cheo. ’Nuair dh’eireadh strith no streup oirbh, Bu lionmhor laoch a dh’ eireadh leibh, Fir mhaoidheach, fhuilteach, gheur-lannach, ’S iad strac-bhuilleach, sar-bheumanta, Nach geilleadh is iad beo. Clann Eachainn Ruaidh nam brataichean, ’Bha piceadh, piobach, baitealach, ’S iad meanmnach, strannmhor, tartarach; Fir dhana, laidir, fhaicilleach, Neo-lapanach ’san toir. ’S leat shios is shuas an Gearrloch i, ’S a h-iasg, a feidh, ’sa fasaichean, A beinn, a strath, ’sa h-airidhean:— Bidh machair agus Gaidhealtachd A geilleadh dha na seoid. Gur lionmhor oigear maiseach A bhios cianail a dol seachad Fo’n taigh mhor ’bu mhuirneil macan, ’S iad a cuimhneachadh a mhacnuis A bhiodh aca mu do bhord. Bha ’n taigh ’s an teaghlach ainmeil Ann sa’ h-uile taobh dh’ am falbhadh tu, Le miadh, le cliu, ’s le anbharra; ’S gu’m b’ionganntach le seanachaidhean An aimsir so ’thigh’nn oirnn. Is trom a sgath an t-eug orm, Is fada dh’ fhag e eis orm; Thug e dhiom na laoich nach treigeadh mi, Na leoghainn fhearail ghleusda Mo chreach leir! nach h-’eil iad beo. Bho’n la a dh’fhag na h-uaislean mi, Cha’n fhacas tathaich sluaigh umam, Cha chualas ceol no fuaim annam, ’S air fhad ’s ’gam bi mi uaignidheach Bidh mo ghruaim a ’dol nas mo. Ach ged a tha mi gruamanach, Tha suil agam ri fuanacadh; Gur fearail treubhach m’ uachdaran, An leoghann tapaidh, suairce, Ni e ’suas dhomh m’ aobhar broin. ORAN. Do bhirlinn Mhic-’Ic-Alasdair, a thogadh an Ionar-Gharradh ’sa bhliadhna 1824. LE AILAIN DALL. FONN.—“Mo dhiobhail dith air ceann-feadhna.” Slan gun till a bhirlinn Ghleannach. ’Ghluais Di-luain air chuairt bho’n fhearann, Le sgioba cruadalach, fearail, Nach meataich air chuan na mara, ’Dh-aindeoin fuachd, gaoth tuath, no gaillinn. Nuair thogas iad a suas a h-anart ’S ard a suaicheantas ri crannaibh, Bratach uasal Ghlinne-Garadh. Ho i uro bho ho eile, Horo horo hug is theid i. Bheannich sinn air tus na maidne ’N iubhrach ur, a buird, ’sa h-acair, A croinn chaol’ a siuil, ’sa slatan, A h-ailm, a stiuir, a buill, ’s a h-acfhuinn, ’Sa raimh chul-dearg, reidh, na bacaibh, Aig fir luth-chleasach nan glacaibh, ’Bheireadh tulgan sunndach, sgairteil, Gun sgios, gun iomrall, gun airtneal, ’S an cuan udlidh ’bruchdadh as-caoin. Shuidh na seoid air ceann gach tobhta, ’S shin iad am mach air a portaibh, Gallain dhireach air bheag lochdradh, Sia-raimh-dheug ’bu chiatach coltas, A thionndadh an fhairg’ gu sgopraich Le neart ghairdean nan laoch toirteil, ’S an gruaidhean cho dearg ’s an corcar, ’G iomradh saoithreach, aotrom, socair. ’S bu cheol cluaise do na fleasgich Piob nuallanach, mhor, ga spreigeadh, Co-thional bho laimh Ghilleasbig, A sheinneadh a chuairt moch is feasgar, Aig a guallinn shuas ’na sheasamh, Caismeachd nam buadh nach bu bheag oirnn, ’Ghluaiseadh mac-tall’ as na creagan, ’S duis le siunnsairibh ’co-fhreagirt. Thagh iad am mach laoch gun tioma, Shuidh e air an stiuir ’san linge, Curidh calm’ ’bu tarbhach slinnein, Ri ard stoirm nach lub le giorrag, Nach iarr abhsadh ’s nach dean tilleadh Fhad ’s a dh’ fhanas bord dh’ i tioram. Air a h-urlar ’s luthar gillean, Gallain ura ’s cliu d’ an cinneadh. Clann-Domhnill air bhord a fuaridh, Na seoid nach soradh an cruadal; ’S binne na orgain ’nan cluasaibh Cronanich a cord gam fuasgladh, Seoladh ard air bharr nan stuadhan, ’S muir chair-gheal ’gairich mu ’guaillean. Aithnichear i ’s gach ait an gluais i, “An Smarag” le h-ainm ro uasal. Suidhidh, le ordagh nan uaislean, Fear eolach nan dorn a’s cruaidhe, ’Thairneas an sgoid uig’ is uaithe, ’Leigeas gu seolta mu ’n cuairt i, Ge b’ e taobh a thig am fuathas, No ’sheideas frasan le buaireas. ’S luaithe na each reis’ an ruaig i, ’Sgoltadh nam beuc-thonnan uaibhreach. Gum bu slan do ’n t-saor a dh’ fhuaigh i, Pearsanach’s a phairt ri cluainidh, A dh’fhag dionach, laidir, luath i. Seasidh a h-alach gun ghluasad, ’S fuaigheal gach strac ’tha mu ’n cuairt d’i, Darach nadara nach fuasgail, A chinn ann an gleann nam fuaran; ’S aillegan ’san airde tuath i. ’S ro mhath ’dh’fhag a lamh ’sa locair Gach slat, gach crann, is gach tobhta; ’S gach reang gu h-iseal fo lobhtibh, Snasda, dileas, sinteach, socrach, Bho ’druim cho dionach ri botul Gu ’strac beoil a’s boidhche coltas. Ged ’dh-eireadh muir gharg ga postadh Cha gheill a calbannan copir. (Ri leantuinn.) Minard’s Family Pills, glan, fallain. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4, ’95; [TD 9] [Vol. 4. No. 2. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 19, 1895. No. 2. Facal a Port Hood. Thainig frasan luachmhor do dh’ uisg, air an t-seachdain seo a thug caochladh fiamh air a bhàrr ’s air aogasg nan daoine fhéin, oir thug e misneach dhaibh gu’m bi toradh anns a bhàrr, a tha glé fhad’ ais ma’n àm seo de ’n bhliadhna. Tha ùine mhòr o’ naich d’ fhuair sinn uisge gus an dé, ’s b’e miann dhaoine gun deanadh e tuileadh dheth. Tha daoine doirbh an tolachadh. O chionn beagan sheachdainean bha iad a’ gearain gu robh an t-side cho fluich s nach gabhadh curachd deanamh, agus na chaidh de shiol ’s an talamh gu rachadh e aog; ’s iad a sior ghuidhe gu ’n tigeadh greis de shide thioram. Thàinig an t-side thioram ’s ma thàinig! bha car ùr air ruidhl’ a’ bhodaich, bha a’ ghearain an rathad eile,—gu’n rachadh am bàrr a dholaidh le cion uisge. Tha so a’ toirt ’am chuimhne mar a thachair do dhuine còir (cha ’n eil reusan a ràdh co’ bh’ann) a bha uair-eigin beagan air mhisg. Air dha gluasad gu dol gu ’dhachaidh dh’ fhuasgail e an t-each, a bha ’n ceanghal am muigh, agus a bha air fàs glé an-fhoiseil, mar is minig a bha fear dhe ’sheorsa, fulang fuachd am muigh us a mhaighistear a gabhail blàthais a stigh. Cha robh luasgan an eich a’ freagairt [?] do ’n duine, a bha glé thuisleach air a chasan, ’s a “cheann ag iarraidh le bruthaich.” Dh’ fhiach e ri dol ’s an dialaid, ach cha deachaidh leis; thug e ’n dara h-ionnsuidh is an treas té, ach ’s ann a’ dol ni b’ fhaide uaith bha e h-uile turas. Codhiu bha sin cearr dhaibhsan a bha ’g a fhaicinn, ’s nach deachaidh ’ga chuideachadh, gus nach robh, cha deach iad ann. Chunnaic an duine bochd nach [?] e coltach gu faigheadh e idir [?] eich. ’S e bh’ ann gu’n do [?] gu’n cuidicheadh am [?] tighinn air mu ’n an eich [?] h-oidhearp a bha e toirt air [?] bha ’n t-each a toirt ceum na dha air adhart is aig an àm anns ’n do ghuidh e cuideachadh, thachair gu’n tainig e gu maide ’bha ri taobh a rathaid; thug an duine fainear direadh air a mhaide, agus a’ cur na bha de neart ’na chorp an gniomh, “thug e leum a b’ airde ’thug e” gus a bhi cinnteach á buaidh. Eadar na gléidh e le dhol air a mhaide agus an oidhirp fhointeach a thug e, cha b’ e mhàin gu’n d’fhuair e suas, ach ’s ann a ghabh e thairis, ceann air thoiseach, gus na bhuail e air a làmhan ’s air aodan air an talamh; thuit spàg gach rathad dheth mar gu’m faiceadh tu duis pioba ’nuair a leigte ghaoth as a mhàl. Le beagan saothair chaidh aige air éiridh ’na sheasamh ag ràdh: “ged a dh’iarr mi cuideachadh, cha robh duil’ am gu’n tugte a leitheid sid do dh’ ùp gun tùr dhomh; ’nuair tha ’m freasdal gu math, tha e tuilleadh us math!” Tha na h-iasgairean a’ talach air cho gann ’s a tha an t-iasg m’an chladach so. ’Se ’n giomach iasg is pailte tha iad a’ faighinn; tha iad a’ cur suas cuid mhor de ’n iasg sin mu na cladaichean so. Tha Cuirt na Siorramachd na suidhe ’n so an diugh. Cha’n eil ach beagan chàsan ri fhiachain. Tha daoine ’fàs gràineach air dol a lagh. Tha iad air atharrachadh seach mar a bha iad ri linn Fhionnlaidh Phiobair ’nuair a bha e ’g radh, “ma chrathas a bhò mhaol aig Pàra mòr a cluasan ri duine an tràs feumair dol a lagh m’a dheighin. Tha picnic mor ri bhi ann am Port Hood air an 17mh agus 18mh la de ’n mhios so. A reir an ullachaidh a tha iad a’ deanamh air a shon tha h-uile coltas air gur math is fhiach e dol uige. Neach sam bith ’tha miannach air ceòl no air dannsa, no aig a bheil toil la na dha d’a bheatha ’chur seachad ann an dòigh cho taitneach ’s ’as urrainn dha, thigeadh e ’n so air an àm ainmichte. Tha na rathaidean air an cur ann an deagh òrdugh anns a chearn so am bliadhna; fhuair iad uidheam luachmhor air son deanamh rathaid bho’n Fhlaitheachd Mhor-rionneach an nasgaidh; mar sin cha chosd e air son obrachadh ach pàigheadh nan daoine agus nan each, agus ni e obair aibhiseach ann an latha. Bu chòir fear dhiu ’bhi ’s a h-uile cearna do’n dùthaich. 2, 7, ’95. V. Litir o Chabar Feidh. Fhir-deasachaidh,—Tha eagal orm gu’m bi a bhliadhna mach mu’n ruig so sibh ach gabhaidh sibh mo leisgeul oir tha na cairdean a tha ’gabhail a phaipeir cho sgaipte air feadh a bhaile so ’s nach robh e furasda am faicinn gus an t-airgead fhaighinn uapa. Bithidh sibh toilichte fhaicinn gu’n deach agam air beagan ainmean ura fhaighinn airson na bliadhna tha tighinn. So agaibh ordugh airson £4,16,3, agus bithidh sibh cho math ’s gu ’n cur sibh “Mac-Talla” dh’ionnsaidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so, a tòiseachadh leis a chiad aireamh de leabhar IV. Bha Cruinneachadh Samhraidh aig buill a chlass Ghàidhlig air an t-seachduin a chaidh seachad. Chaidh iad gu àite briagha an Coille Epping a tha mu dha mhile dhiag a mach as a bhaile agus chuir iad an la seachad gu cridheil le cleasachd, ceòl na pioba agus dannsadh Gàidhealach. Roimh dhaibh an t-àite fhàgail thaisbean iad do’n Lighich Macilliosa am meas a chuir iad air an t-saothair mhor a ghabh e riu fad a gheamhraidh, le bhi toirt dha àireamh de sheann leabhraichean Gàidhlig a tha glé luachmhor. Chaidh iad mu chuairt air a ghnothaich air doigh cho sàmhach ’s nach cuala an Lighich facal mu dhéibhinn gus an robh na leabhraichean air an cur ’na làmhan. CABAR FEIDH. Lunnuinn, 26, 6, ’95. [TD 10] [Vol. 4. No. 2. p. 2] EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH. (Air a leantuinn.) BHA e ’nis mu cheithir uairean an déigh a’ mheadhon latha, air an t-seachdamh-là-deug de’n bhliadhn’ ùir, 1746, agus le uamhas na doinninn bha dorcha nan trà a’ dùmhlachadh, ’n uair a thug Hawley òrdugh do na trupairean a bhi ’m bad nan Gàidheal. Chuir e tri-ceud-deug marcaiche ’n an aghaidh, le fiughair nach seasadh feachd Thèarlaich ’an aghaidh na h-ionnsuidh. Ach cha b’fhada gus an do thuig e gu-n robh e fad’ ann am mearachd. Chaidh na trupairean suas gu fiamhach, aitheasach ’an aghaidh muinntir Thèarlaich, agus ’n uair a bha iad mar leth urchair daga dhoibh, leig na Gàidheil aon dairearach riu, leis an do thuit mòran, agus chuireadh an ruaig air càch. Ach ged a theich a’ chuid a bu mhò de’n mharc-shluagh gu tàmailteach, buinidh e dhuinn cuimhn’ a chumail air euchd buidhinn bhig dhiubh a bha fo riaghladh Chòirneil Whttney; oifigeach foghainteach, a choisinn air an là so, cliù thar aon duine a bha ’s an arm-dhearg air fad, agus a thuit a’ cur a’ chath’ gu treun an aobhar a Rìgh agus a dhùthcha. ’N uair a theich na trupairean, theirinn Clann Dòmhnuill gu dian toirionnach an aghaidh an airm-dheirg le fearalachd do-chasgaidh, agus ann an tiota chaidh an ruaig air na bha fa’n comhair, mar a thubhairt Donnachadh Bàn, fear dhiubh féin:— “Mar gu-n rachadh cù ri caoraich ’S iad ’n an ruith le aodann glinne, ’S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh, Air an taobh air an robh sinne.” Ach ged a chaidh an ruaig gu h-obann air a’ chuid bu mhò de’n arm-dhearg, sheas buidheann diubh gu neo-sgàthach: agus cha b’ ann gus an d’thug Tèarlach air ’adhart ’fheachd gu h-iomlan a ghéill iad so. Theich a nis an t-arm-dearg uile, agus bha iongantas air an Gàidheil fèin cho saor-làmhach ’s a choisinn iad an latha. Cha chluinnte o fhear gu fear de na Gàidheil, ach c’àit an deachaidh iad? cha’n fhaod e ’bhith gu-m bheil an gnothuch seachad. Lean an t-arm Gàidhealach an ruaig do’n bhaile, agus rinn na Camshronaich, &c., mòr dholaidh air cuid do’n arm-dhearg, a thachair orra. Thàir Hawley as le cabhaig cho mòr ’s nach d’fhuirich e ri aon ni a bhuineadh dha a thoirt leis; ionnas gu’n do thuit gach goireas a bha ’s a’ champ aige air Tèarlach, agus air a dhaoine. Fhuair e an gunnachan mòra, agus iomadh trealaich còmhraig a thuilleadh. Cha do thuit de dh’arm Thèarlaich ach dà-fhichead fear, agus bha ceithir-fichead air an leònadh. Thuit de ’n arm-dhearg eadar a dhà agus trì cheud, agus anns an àireamh so bha mòran de na h-oifigich a b’ àirde; agus ’n am measg sìn an duin’ urramach Sir Robert Munroe, Ceann-cinnidh Chloinn-an-Reothaich, saighdear ainmeil a choisinn mòr chliù ann am blàr Fontenoi. Ràinig fuigheall an airm-dheirg Dun èideann air feasgar an ath latha, agus o’n a thòisich an iomairt so cha robh am baile fo bharrachd geilt. Ghabh Tèarlach ’s a chuid daoine mu thàmh air an oidhche sin ’s an Eaglais-bhric. Chuir am blàr so iongantas air an dùthaich air fad; ’n uair a fhuair na Gàidheil buaidh air Sliabh-chlamhain, cha robh m’ an coinneamh ach saighdearan òga nach robh ann an cath roimhe; ach ’s ann a bha’n so brod an airm Shasunnaich, a choisinn cliù ann an iomadh cath ainmeil ann am Flànras; agus na-m biodh Tèarlach air an leantuinn do Dhun-éideann, is doirbh r’a ràdh an rachadh blàr Chùil-fhodair a chur fhathast. Chaill na Gàidheil, le sgiorradh goirt, a chuir am barrachd duilichinn orra na na thuit ’s a’ bhlàr, Mac ’Ic Alastair òg, le urchair a dh’ fhalbh gun ’fhios o fhear de’n fheachd a bha ’glanadh a ghunna; agus ge nàr r’a innseadh e, cha’n fhòghnadh aon ni le Cloinn Dòmhnuill ach grad chur as do’n cheatharnach bhochd, ged a bu neo-choireach dha e. Phill Tèarlach a rìs air ’ais, an dùil gu’n géilleadh Caisteal Shruileadh, ach an déigh mòr shaothair agus chostas, b’ éigin da an oidhirp a leigeadh dheth, agus ’fheachd a thoirt leis. ’N uair a chual’ iad ’an Sasunn mu Bhlàr na h-Eaglaise-brice, ghlac uamhas càirdean an Rìgh, agus air ball chuireadh a nuas Diùc Uilleam gu bhi ’n a Cheann-feadhna air an arm-dhearg: ann an ùine cheithir làithean an déigh dha Lunnuinn ’fhàgail bha e an Dun-éideann; cha d’fhan e an sin ach còrr ’us aon latha, ’n uair a ghabh e air ’aghaidh an déigh nan Gàidheal leis gach feachd a b’ urrainn da a chur r’a chéile. Bha Tèarlach agus a dhaoine a nis a’ deanamh air son na Gàidhealtachd, cha’n ann le h-eagal roi’n arm-dhearg, ach a chum a chàirdean a chruinneachadh r’a chéile, agus leis an rùn so rinn e air son Inbhernis. Lean Diùc Uilleam e mar a b’fhèarr a dh’fhaod e. Ràinig Prionns’ Tèarlach tigh Mhic-an-Tòisich na Moidhe, far an d’fhiosraich e sàr aoidheachd o’n bhaintighearna urramaich sin, a thog a daoine an aobhar Thèarlaich, ged a bha a fear ’s an arm-dhearg. Am feadh a bha Tèarlach a’ cur seachad na h-ùine ’s a’ Mhoidh gun sgàth gun chùram, bha Morair Loudon le mòran de’n arm-dhearg ann an Inbhernis, agus chuir e roimhe am Prionns’ a ghlacadh le feall, fo dhubhar na h-oidhche; ach ged a ghnàthaich e gach seòltachd a dh’ fhaod e, a chum na bha ’n a bheachd a chleth, fhuair baintighearna Mhic-an-Tòisich sanas air, agus chaidh am Prionns’ as an rathad. Chuir am boirionnach misneachail so seisear dhaoine fo riaghladh Gobha na dùthcha, a chum faire a chumail air Morair Loudon ’us air a chuid daoine. Bha’n Gobha ’n a dhuine foghainteach agus ged a bu dalma dha smaointeach air, chuir e roimhe le ’sheisear fhear maoim a chur air a’ Mhorair agus air a chòig-ceud-deug saighdear; agus an uair a thàinig an t-arm air an aghaidh, air do’n oidhche ’bhi dorcha, shocraich an Gobha a chuid daoine cho iomchuidh ’s a b’urrainn da, agus cha luaithe a chual’ e farum an airm-dheirg g’a chòir, na ’thilg e urchair air thuairmeas, agus bha òrdugh aig na bha leis an ni ceudna a dheanamh. Rinn iad an sin na h-uiread ghleadhraich ’s a b’urrainn doibh, a’ gairm air na Camshronaich agus air Cloinn Dòmhnuill iad a theannadh air an aghaidh an coinneamh an airm-dheirg a bha air thì am Prionns’ a ghlacadh. Cha luaithe a chuala Morair Loudon so na ghrad phill e féin ’us a chuid daoine, le dian chabhaig air a’ cheart slighe air an d’thàinig iad: ’us am fear nach fhanadh r’a bhogha, cha’n fhanadh r’a chlaidheamh; agus is i a’ chas bu mhoille a’ chas bu lugha orra; agus bha iad ann an aimlisg cho mòr ’s gu’n robh iad a’ tuiteam gu tiugh air muin a chéile, ionnas nach comasach a’ mhi-riaghailt ’s an robh iad ’aithris, ann an làn bharail gu-n robh an t-arm Gàidhealach air an tòir. Lean iad air a’ chabhaig so gus an d’ ràinig iad dlùth do Inbhernis, far an do thuig iad [TD 11] [Vol. 4. No. 2. p. 3] nach deach’ ach aon fhear dhiubh a mharbhadh le urchair a Ghobha, gidheadh bha iad air dhroch dhiol le leòin, le creuchdan, agus le tàmailt. Chruinnich Tèarlach a chuid daoine air an là ’m màireach, agus ghabh e air ’aghaidh do Inbhernis, a chum aicheamhail a thoirt a mach air son brath-foille na h-oidhche an raoir; ach thuig Morair Loudon nach robh e air son ’aghaidh a thoirt air na Gàidhail an déigh do sheisear an ruaig a chur air, agus ghabh e’n t-aiseag aig Port-cheasaig, leis an arm-dhearg, do Shiorramachd Rois, leis an robh e air a chumail o’n arm-dhearg am fad ’s a mhair an iomairt. Ghabh Tèarlach an sin seilbh air Inbhernis, agus ghlac e’n daingneach, a leag e sìos gu làr. ’S e aon aobhar a bh’ aig Tèarlach teachd cho fada mu thuath, gu-m biodh e dlùth air gach cobhair, ris an robh fiughair aige o’n Fhraing; agus a dheanamh na fìrinn, cha bu bheag a chaidh a chur ann le Rìgh na Frainge, ged nach mòr a fhuair esan diubh. Le bochdainn na dùthcha b’ éigin do Thèarlach a chuid airm a sgaoileadh air feadh na tìre, agus an uair a chruinnich e iad r’a chéile, bha iad ann an airc a chion bìdh. Bha’n t-arm-dearg a’ teachd air an aghaidh a chois a’ chladaich, gus an d’ràinig iad Inbhernarrun, far an do chuir an Diùc roimhe cuirm a thoirt do’n arm air co-ainm a latha breith; thachair so air a chòigeamh là-deug de mhìos mu dheireadh an Earraich; agus chuir Tèarlach agus a chuid airm rompa ionnsuidh a thoirt air a’ champ Shasunnach air an oidhche sin, le fiughair gu-m biodh an t-arm-dearg air mhisg agus air mhi-riaghailt. Leis an rùn so thog iad orra mu dhorcha nan tràth, a los an ionnsuidh a thoirt, ach bha’n oidhche ro dhoilleir agus an t-slighe ro dhocair, ionnas gu-n robh an fhàir’ a’ bristeadh mu’m b’ urrainn doibh ruigheachd. Leis a’ so cha robh feum dhoibh dol na b’fhaide, agus phill iad air an ais gu sgìth, allabanach, acrach, gun a’ bheag aca a chaisgeadh an cìocras. Ràinig iad monadh Chùil-fhodair, agus claoidhte mar a bha iad, chuir e aiteas orra Mac Mhic Ranuill na Ceapach, agus a dhaoine, agus Mac-Shimidh le ’fheachd ainmeil a thighinn orra air a’ mhaduinn sin. Tharruing Tèarlach suas a dhaoine air an t-sliabh, agus cha robh aige ach mu thuaiream còig mìle, agus a’ chuid a bu mhò dhiubh so fann le cion bìdh, caithris, agus sgìos. Cha b’fhad’ a bha iad ’an so ’n uair a chunnaic iad an t-arm-dearg a’ tèachd ’s an fhradharc, a bha ann an àireamh dithis m’an aon fhear dhiubh-san, agus dhlùthaich iad orra mar neul dorch’ eadar iad agus fàireadh, a’ teachd air an aghaidh gu neo-sgàthach ann an òrdugh catha. Bha’n airm a’ dealradh ris a’ ghréin, am brataichean a’ snàmh ’s a ghaoith, agus àrd chaithream nan ceudan druma a’ toirt dùlan d’ an naimhdibh. Ann an ùine ghoirid bha’n dà arm air an tarruing suas ’an òrdugh catha mar uidhe shè-ceud slat d’a chéile. Bha’n latha gus a’ so gu baoisgeil grianach ach a nis thòisich frasan sneachda, a’ séideadh as an àird’-an-Ear, ’an aodann nan Gàidheal. Chuir so na h-uiread dhoimhidis orra ’s gu’n d’thug Tèarlach oidhirp air cothrom an t-soirbhis ’fhaotainn, ach cha deachaidh so leis. A chum mòr spéis nan Gàidheal do’n Phrionnsa a dhearbhadh, cha bhi e mi-iomchuidh ’aithris mar a thug a theas-ghràdh dha air fear dhiubh dol a nunn do’n champ-dhearg, chum cothrom fhàigheil air cur as do Dhiùc Uilleam, ged a bha e làn-chinnteach gu-n dìoladh a bheatha féin air a shon. An déigh dha a bhi ’m measg an airm Shasunnaich far an robh iad a’ deanamh culaidh-bhùird dheth féin agus d’a earradh, bha esan mar gu-m b’ann gu neo-umhaileach, ag imeachd air am feadh, a dheuchainn am faiceadh e an Diùc; agus air dha àrd-oifigeach ann an éididh ro rìomhach ’fhaicinn, shaoil e gu-m b’e sin e, ghrad spìon e musgaid á làimh saighdeir a bha dlùth dha, agus loisg e air, ach cha do thuit e leis. Is gann a ruigear a leas ’innseadh gu-n do chuireadh grad chrìoch air a’ cheatharnach bhochd so. Fàgaidh sinn air an àm an dà fheachd so fa chomhair a chéile, a bha ann an uair a dh’ ùine ri cor rìoghachd Bhreatuinn fad linntean a shocrachadh. Theagamh nach do chuireadh blàr riamh (a dh’ aon chuid cha do chuireadh mòran) air an robh na h-uiread an earbsa, agus ris am b’ion fiughair a bhi, de réir sin, gu-m biodh a cho-strì ro gheur. BLAR CHUIL-FHODAIR. Thòisich na Gàidheil am Blàr ainmeil so, le’n gunnachan mòr’ a thoirt gu tilgeadh air an earrainn sin de’n arm-dhearg, far am fac’ iad, mar a shaoil leo, Diùc Uilleam; ach cha do ghabh iad ach droch chuimse; chaidh na peileirean thairis orra, gun dolaidh a b’fhiach iomradh a dheanamh. Mu thuairim uair an déigh a’ mheadhon là, dh’ fhosgail an t-arm-dearg orra-san le’n gunnachan mòra féin, ach cha b’i ’ghunnaireachd gun chuimse ’bha’n so; cha robh dairearach a leig iad, nach d’ fhosgail bealach farsuing roi’ shreathaibh nan Gàidheal; ’g an smàladh sìos ’n am ficheadan; a’ spealgadh as a chéile nan creagan air an robh iad ’n an seasamh; agus a’ tilgeadh sìos gach bothan agus tigh a bha ’n an còir, air an dòigh a b’ eagalaiche. Bha Diùc Uilleam air ’ais agus air ’aghaidh a’ brosnachadh a chuid airm: a’ gairm orra gu ’bhi seasmhach duineil gun a bhi fo gheilt roi’ na Gàidheil. Chaidh Prionns’ Tearlach, mar an ceudna, o cheann gu ceann a chuid airm, a’ cur ’n an cuimhne a’ bhuaidh a fhuair iad air Sliabh-chlamhain, agus mar a chuir iad an ruaig aig monadh na h-Eaglaise-brice. Fhreagair iad e le h-àrd iolach, agus an sin thug e air uchdan àrd as am biodh sealladh aige air na thachradh. Mo thruaighe! ’s cinnteach sinn gur e ’chridhe ’bha plosgartaich le h-iomaguin, mar a bha ’nis crùn agus uachdranachd rìoghachd cho cumhachdach ’s a bha air aghaidh an t-saoghail, no hochdainn agus fògradh an earbsa ris a’ cho-strì a bha ’nis gu tòiseachadh, agus a’ bheireadh leth uair an uaireadair gu crìch. An déigh do ghunnachan mòr’ an airm-dheirg mòran de na daoine ’bu tréine ann am feachd Thearlaich a sgathadh as, fhuair na Gàidheil fa dheireadh cead an clàidhean a tharruing, agus a bhi ’m bad an naimhdean. (Ri leantuinn.) Greis mu seach, an t-each air muin a’ mharcaiche. Gnothuch duine gun chéill, ’dol gu féill gun airgiod. Glòri mhileis a mheallas an t-amadan. Gheabht’ iomradh ’s an ràmh gun a bhristeadh. Ge b’e ’s miosa, ma ’s e ’s treasa, bidh e ’n uachdar. B’fhada bho ’chéile crodh laoigh an dà sheanar. B’fhearr gun tòiseachadh na sgur gun chriochnachadh. [TD 12] [Vol. 4. No. 2. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 13,1895. Cha’n eil cùisean ach car troimhe chéile anns a’ phàrlamaid an Ottawa air an àm so. Tha iadsan aig am bheil an riaghladh nan làmhan air an roinn an aghaidh a chéile, agus cha’n eil fhios co-dhiu a ni iad còrdadh no nach dean, ach ’s e ’s dòcha gu’n dean. Cha’n iarradh an taobh eile dhe’n tigh spòrs a b’ fhearr na gu’n rachadh iad ’an cireanan a chéile; ’s ann bu mhath leotha gu’m biodh iad air an obair sin an còmhnuidh. Tha cheist a thaobh sgoilean Mhanitoba air a’ cur thairis gus an ath shuidhe. Bi’dh an tigh a sgaoileadh an ceann beagan làithean. Tha e air a ràdh gu’m bi an ath shuidhe aca air ceud mios na h-ath-bhliadhna agus nach bi pàrlamaid ùr air a taghadh gus an tig an t earrach. Bha coinneamh ann an Ottawa o chionn ghoirid air son Comunn Albannach a chur air bonn. Chuir coig air fhichead an ainmean mar bhuill dhe’n chomunn, agus tha dùil ri moran eile aig an ath chruinneachadh, air son an comunn a shuidheachadh air an treas latha deug. ’S e rùn a chomuinn so a bhi cumail suas ’sa gleidheadh air chuimhne, Eachdraidh, Beul-aithris, Ceol, Bàrdachd, agus Cainnt ar sinnsearachd; a bhi beothachadh agus a cumail suas Cleachdaidhean agus Eideadh nan Gàidheal, agus a bhi cur eòlas air, agus a cuideachadh a’ chéile. Tha sinn an dòchas gu soirbhich gu math leis a chomunn so, agus gu’n bi na rùintean so an comhnuidh san amharc acasan a tha ’ga chur air chois. Ma bhitheas, cha’n eil teagamh sam bith nach soirbhich leotha. Tha Phàrlamaid Bhreatunnach a nis air a sgaoileadh, agus an ceann da sheachdain eile no na’s lugha bidh Pàrlamaid ùr air a taghadh ’na h-àite. Cha bhi dàil sam bith air a chur ’sa chùis. Cha’n eil rioghachd no dùthaich ’san domhan aig a bheil pàrlamaid a’s luaithe ghéilleas do ghuth an t-sluaigh na ni pàrlamaid Bhreatuinn. Agus a bharrachd air sin cha’n eil pàrlamaid ann a’s saoire o gach seorsa truaillidheachd a thaobh airgid. Cha’n aithne dhuinn gu’m bi guth no iomradh air a thoirt air fear-pàrlamaid a chur as ’àite aon uair ’s gu faigh e stigh. The Breatunn an deigh na làithean anns am faodte bhotichean a cheannach fhàgail as a déigh. Tha sinn an dochas nach bi ’n ùine fada gus am faodar an ni ceudna ràdh mu Chanada. Bha na Stàitean an Iar a’ fulang air an t-samhradh so leis an tiormachd cheudna ’sa th’againn fhéin anns an dùthaich so. Bha ’m bàrr beul ri bhi air a thur mhilleadh le teas na seachdain s’a chaidh. Ach toiseach na seachdain so thainig an t-uisge, agus thainig e na dhearsaich. Shil e cho bras ann an cearnan de dh’ Illinois ’s gu’n do dh’ éirich na h-aimhnichean ochd troidhean ann am beagan uairean a thìm. Bha stoirm ghàbhaidh aca Di-dòmhnaich ’s Di-luain. Bha àireamh de na bailtean beaga ach gann air an sgrios, agus chaidh eadar deich air fhichead us da fhichead duine a mharbhadh no bhàthadh, a bharrachd air moran a chaidh a leònadh. Cha’n eil rian air a chall a rinneadh air taighean còmhnuidh ’s air togalaichean eile. Bidh e ’cur ioghnadh mor air daoine ’san latha ’n diugh ma chluinneas iad mu dhuine chaidh thairis air ceud bliadhna dh’ aois. Tha leac-chuimhne ann an Westminster Abbey, air a bheil sgriobhadh mar a leanas; “Tomas Parr, á Siorrachd Shalop. Rugadh e ’sa bhliadhna 1483. Bha e beò ri linn seachd righrean us ban-righean: Eideard IV., Eideard V., Richard III., Eanruig VII., Eanruig VIII., Eideard VI., Màri I., Ealasaid, Seumas I., agus Tearlach I. Chaochail e ’s e 152 bliadhna a dh’aois, agus thiodhlaiceadh an so e air a 15mh latha de Nobhember, 1635. Tha “Ailein an Ridse” a cur ugainn a cheathramh so de’n òran a bha air a chlò-bhualadh ’sa MHAC-TALLA dha no tri sheachduinean air ais, air fonn “Hi ri ri ho ra ill o:” Codach-cinn a’s àille snuadh, ’Se ’n òrdugh na ioma dual; Gus an càirear mi ’san uaigh. Cha toir mi fuath do Mhòraig. Tha e ’g ràdh cuideachd gu’n robh esan daonnan a’ cluinntinn gu’m b’e Uilleam Ros a rinn an t-òran. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe. ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 13] [Vol. 4. No. 2. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh taosg math sgadain a ghlacadh mu chladaichean a deas an eilein so air an t-seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Ghlac cuid a bhàtaichean eadar ochd us dusan barailte am fear gach latha ’bha iad a mach. Thainig soitheach mor ceithir-chrannach a stigh dh’an acarsaid a sheachdain roimh ’n Diordaoin ’sa chaidh, agus ghabh i luchd guail aig an laimhrig. ’S i cheud soitheach dhe’n t-seòrsa thainig a stigh o chionn fhada. Bhuineadh i do na Stàitean, agus bha i ’toirt a ghuail gu Boston. Dh’fhalbh i Di-màirt. Tha e air innse gu bheil an fhactoridh bhròg, a bha ’g obair ann an Sidni Tuath o chionn ioma bliadhna, ri bhi air a dùnadh. Tha iadsan leis an leis i ag ràdh nach eil i ’gam pàigheadh. Bha ’n fhactoridh ’na taic mhor do mhuinntir a bhaile sin; bha i sgaoileadh mu ochd mile dolair ’sa bhliadhna air fheadh. Cha robh soitheach-cogaidh ann an acarsaid Bhaddeck o chionn còrr us fichead bliadhna (tha cuid ag radh o chionn deich bliadhna fichead) gus ’n do thaghail an Canada ann air an òg-mhios. Air co-ainm là crùnaidh na Ban-righ, loisg i urchair air fhichead, agus bha chuid mhor de mhuinntir a bhaile nach fhac’ uiread fùdair air a losgadh còmhla riamh roimhe. Tha ’n Canada an dràsd ann an Charlottetown. Aig a’ chùirt mhoir ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh bha fear Iomhar Smith air a chur do’n tigh-oibreach seachd bliadhna, air son losgadh air duin’ eile le rùn a mharbhadh. Fhuair dithis ghillean còig bliadhna ’m fear dhe’n tigh-oibreach air son bristeadh a stigh do charbad-iaruinn. Fhuair duine ann an Cuibeic deich bliadhna o chionn ghoirid air son e thoirt ionnsuidh air a bhean a mharbhadh. Tha baile-mor Mhontreal da cheud ’s leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Tha’n àireamh bhliadhnaichean sin air ruith thairis o’n chaidh a cheud chòmhnuidh a ghabhail ann. Bha cheud thaighean air an togail ann le Sagairt Fhrangach, a thainig a nall air son na h-Innseanaich fhiadhaich a challdachadh agus iompachadh dh’ ionnsuidh a chreidimh Chriosduidh. Chaidh càrn-chuimhne dhaibh sin a chur suas ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh fear Ailein Mac Eachuinn, a mhuinntir Albion Mines, N. S., a leònadh gu dona air an rathad-iaruinn eadar New Glasgow us Stellarton Di-màirt. Bha e fhéin us dithis eile a coiseachd air an rathad ’nuair a chunnaic iad an carbad a tighinn. Chaidh an fhideag a shéideadh, agus chaidh a chompanaich bhar an rathaid, ach lean esan roimhe. Rinn iad na dh’fhaod iad gus toirt air a dhol as an rathad, ach mu’n d’fhuair iad air falbh e, bhuail an carbad ann; chaidh a chas a bhristeadh, agus a cheann a ghoirteachadh, ’s cha’n eil coltas sam bith air gu’n tig e uaithe. Bha cairt-uisge ag obair air an t-sràid latha no dha air an t seachdain s’a chaidh, agus bha dòchas againn gu robh comhairlichean a bhaile dol ’ga ceannach ’s ga cumail air obair. Ach tha e coltach nach eil. Tha i nise ’na tàmh, agus tha ’n stùir air an t-sràid cho dona ’s ged nach cluinneamaid iomradh air cairt-uisge riamh. Thainig frasan math uisge Di-ciaduinn, agus rinn iad feum d’ an talamh, ach ’s mor a b’ fheaird e tuilleadh. Tha e ro choltach gu’m bi am bàrr feòir, co-dhiu an taobh so dhe’n eilean, gle aotrom, ge b’e ciamar a dh’ éireas dha gach seòrsa eile. Bha toiseach na seachdain so anabarrach teth, ach dh’ fhàs an t-side na b’ fhionnaire an deigh an uisge. Chaidh fear Tearlach Slate, ann an Charlottetown a chur do’n phriosan fad thri miosan air son an daorach a ghabhail. Chuireadh an toiseach càin ceithir fichead dolair ’sa deich air, agus ’nuair nach do phàigh e, chaidh a sparradh dh’an phriosan, ’s tha aige ri fuireach ann latha mu choinneamh gach dolair. Tha e coltach gur e Eilean a Phrionnsa aon de na h-àiteachan anns am bheil an sean fhacal fior, nach dean an t-òl ach am fear a dh’ fhaodas. Chaidh gille beag d’am b’ ainm Domhull Curridh, a bhàthadh aig laimhrig a ghuail ’sa bhaile so oidhche Di-màirt. Bha e fhéin us treud de ghillean eile a cur a mach lin air son giomaich a ghlacadh. Thill càch dhachaidh gun a thoirt fa-near nach robh e còmhla riutha, ach air dhaibh ionndrain dh’ eibh iad ris, agus ’nuair nach d’ fhuair iad freagradh uaithe, thill iad dh’ ionnsuidh an àite ’san d’fhàg iad e, ach cha robh sgeul air. Bha daoine mach ’ga iarraidh gun dàil agus mu mheadhon-latha Di-ciaduin fhuaireadh a chorp air a ghrunnd. Bha droch ghearradh no dha air ’aodann, agus tha e coltach gu’n d’ fhuair e droch bhuille ris na maidean no ris na clachan an àm dha tuiteam thairis. Cha robh e ach deich bliadhna dh’aois. ’Se so an treas bàthadh a rinneadh aig an laimhrig ud o chionn beagan bhliadhnaichean. Thachair sgiorradh uamhasach ’sa mhaduinn trath Di-màirt ann an Cuibeic, aig àite ris an canar Craig’s Road. Bha sreath de charbadan-iaruinn a’ dol troimh ’n àite agus stad i aig Craig’s Road. Bha sreath eile a tigh’nn ’na deigh, agus gun stad idir, bhrist i a stigh air an t-sreath eile, agus chaidh deich carbadan a spealgadh as a chéile. Tha iad a deanamh mach gu robh faisg air fichead fhear us mhnathan air am marbhadh, agus chaidh àireamh mhor a bharrachd air sin a leònadh, cuid dhiubh cho dona ’s nach eil ann dhaibh ach am bàs. Bha moran dhe’n luchd-turuis ’nan cadal aig an àm, agus chaidh cuid dhiubh a ghrad mharbhadh, gun fhios a bhi aca gu dé thachair. Bha e ’na ni cianail a bhi faicinn ’sa cluinntinn nan daoine truagha bh’ air an leònadh, moran diubh air an tiodhlacadh fo’n draoighnich, agus gun chomas gluasaid aca. Tha muinntir an rathaid-iaruinn agus muinntir eile a’ feuchainn ri fhaotainn a mach cò bu choireach ris an sgiorradh, ach tha e glé dhoribh dhaibh a dheanamh a mach. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 14] [Vol. 4. No. 2. p. 6] AN CRANNCHUR. (The Lottery.) O chionn mu thuaiream leth-chiad bliadhna bha seann duine, d’ am b’ainm Dà’idh Sulair, a chomhnuidh faisg air baile-mor araidh. An uair a chiteadh a cheann liath, a cheum sgairteil, agus cho direach, brosglach ’s bha e ’g a ghluasad fein, dh’ aithnicheadh aon air bith gu’n do chuir e seachad cuid d’a bheatha anns an arm. Thuit Dà’idh, an uair a bha e ’n a dhuine og, ann an tubaist air choreigin; b’ eudar dha a’ choimhearsnachd ’fhagail; ghabh e ’s an arm, agus gle ghoirìd ’n a dheigh sin sheol e leis an reisimeid do dh-Innsean na h-Airde-n-Iar. Cha b’ fhada ’chuir e seachad an so an uair a thuit e ann am fiabhrus, agus chaidh a chur air ais do ’n rioghachd so. Air do ’n reisimeid d’ am buineadh e tilleadh goirid as a dheigh, chaidh a h-orduchadh a mach do Chanada, far an d’ fhuair Dà’idh bochd a mheileachadh leis an fhuachd, mar a bha e roimhe air a rostadh leis an teas. Am feadh a bha e a’ seirbhiseachadh ann an Canada, mar a bha ’m mi-fhortan, no ma dh’ fhaoidte am fortan ’s an dan da, fhuair e leon ann an aon d’a luirgnean; chaidh a chur mar sgaoil as an arm, pension a shuidheachadh air, agus a chur dhachaidh d’a dhuthaich fein a rithisd. A thuilleadh air a phension bha Da’idh a’ cur peighinn onoraich an drast ’s a rithist ann an rathad a mhna, Peigi, le saothair a lamhan fein, oir bha e ’n a dhuine turail agus comasach air a lamh a thionndadh ri rud sam bith; chuireadh e slat ann an cliath no cas am poit,—ann an aon fhacal cha mhor a thigeadh cearr air. Bha e, aon latha, a’ dol air ais le sgaileagan sioda a bha e an deigh a chàradh do mhnaoi-uasail eigin, an uair chunnaic e sanas mor sgriobhte air a’ bhalla—a’ guidhe gu durachdach air gach aon a bha deonach air beairteas a dheanamh a dh-aona bheum, dol agus comh-roinn a cheannach gun dail ann an crannchur (lottery) a bha gu aite ’ghabhail an ceann beagan uine anns a’ bhaile-mhor lamh riutha. Thug a chridhe leum, oir cha do leugh e ach goirid air ’aghaidh ’n uair a chunnaic e gu’m faodadh neach, le fichead punnd Saaunnach a chur a stigh, fichead mile punnd Sasunnach a bhuidhinn. Thog e air gu surdail, linbhair e an sgaileagan, agus thill e dhachaidh an deanna nam bonn a chur a chomhairle ri Peigi. Bha an t-seana chailleach bhochd cho bodhar ’s gu ’n d’ fheum e glaodhaich ’n a cluais le ’uile neart. “An cual’ thu mu ’n chrannchur mhor a tha ri tachairt ’s a bhaile mhor ud thall? Air son fichead punnd Sasunnach faodaidh tu fichead mile a bhuidhinn.” “Seadh, ach cha ’n ’eil fichead punnd Sasunnach agadsa ri ’chur ann,” ars’ ise. “Cha ’n ’eil, ach tha e agadsa, agus is e an aon ni e, nach e?” Cha do fhreagair Peigi car ghreis, agus a’ sin thuirt i gu ciuin gu ’m bu ni eile sin uile gu leir. Thug Da’idh suil aingidh oirre agus thuirt e, “Cha ’n è ma tha mise ’cur romhan an cur a mach anns a’ ghnothach so.” “Cha ni suarach fichead punnd Sasunnach,” arsa Peigi, ’s i ’crathadh a cinn; “is e so na tha againn anns an t-saoghal a bharr air do phension. Gabh mo chomhairle-se a Dha’idh Shulair agus na bi ad amadan.” “Smaointich thusa air fichead mile gini òir,” arsa Da’idh, “a leithid de luchd! nach be ’n carn e! dh’ fhaodamaid sinn fein ’fhalach ann.’ Cha robh Peigi ro chinnteach mu ’n chuis; bha i a lion beag a’s beag a’ striochdadh. “Falbh agus cluinn ciod a their Seumas Mor uime,” fhreagair i. “Ciod am math dhomh dol an taobh a tha Seumas Mor ann an gnothach d’ an t-seorsa so,” arsa Da’idh. “Cha ’n aithne dha ni mu ’thimchioll: cha do ghabh e cuid ann an crannchur riamh.” “Coma co dhiu, cha mhisd’ thu a chomhairle; falbh gun dail.” “Tha mi toileach,” arsa Da’idh, ’s e ’togail a chomhdach-cinn; ach cha mhor cudthrom a chomhairle. Ghabhadh e leth-chiad d’ a leithid a chur iompaidh air seann saighdear.” B’ e Seumas Mor a bu thuairnear agus a bu shaor anns an aite. Bha e ’n a dhuine fior chrionnta, ghlic agus fo mhor mheas agus urram aig gach duine d’ am b’ aithne e. Steòc Da’idh Sulair direach a suas a dh’ionnsaidh na beirt-thuairneir aig an robh Seumas ag obair. Bha e cho dil air ciod air bith a bha e ris ’s an àm nach d’ thug e an aire do Dha’idh ’n a sheasamh lamh ris. Mu dheireadh, an uair a bha a shaod air a bhi cho geal ri muilleir no ri fear a bhiodh a mach fo shneachd, leis na mion-shliseagan agus an sadach a bha ag eirigh o ’n bheirt, chuir e a lamh air guallainn Sheumais. Stad e d’ a thuairneireachd agus chuir iad failte air a cheile, “Tha toil agam do comhairle a ghabhail,” arsa Da’idh “Chual’ thu iomradh, tha mi ’n duil, mu ’n chrannchur mhor so?” “Chuala, chuala, ach ciod uime?” “Tha thu ’cur a stigh fichead punnd Sasunnach agus a’ buidhinn fichead mile. An comhairlicheadh tu dhomh ’fheuchainn?” “Air na cumhnantan sin, comhairlicheadh, air a’ h-uile cor.” “Gu ’n robh math agad, a Sheumais; bha fhios agam gu’m b’ e so a theireadh tu; labhair thu gu seadhail, ach cha ’n éisdeadh Poigi.” Minard’s Honey Balsam, math gach nair. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; [TD 15] [Vol. 4. No. 2. p. 7] Cadal a mhuilleir ’s an t-uisge ’dol seachad. Cadal nan con ’sa mhuileann ’s na mnathan a criathradh. Càirdeas na cléire-sgriobadh us sgròbadh a chéile. Calum beag a chur a dhith, gu Murchadh mor a reamhrachadh. Minard’s Family Pills, glan, fallain. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS. Leighis mi droch reubadh air each le MINARD’S LINNEIMT. St. Peters, EDWARD LINLIFF. Leighis mi droch at air each le Minard’s Liniment. Bathurst, N. B. T. W. PAYNE. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C.B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheiroar ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche. Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. [TD 16] [Vol. 4. No. 2. p. 8] ORAN. Do bhirlinn Mhic-’Ic-Alasdair, a thogadh an Ionar-Gharradh ’sa bhliadhna 1824. LE AILAIN DALL. (Air a leantuinn.) Saor cha do chuir lamh no locir Air luing no air barc ’theid roimhpe, Gun chron ri ’aireamh no lochd dh’ i Bho ’sail gu aird’ a saoith-thoisich.— Air a clar cha tamh a bhochdinn, ’S ailgheasach a gillean coltach; Chan ionghnadh dhaibh, ’s lan an copain De’n stuth laidir as na gocaibh. Anns gach cal’ an tilg i acair, N Albinn, an Eirinn, no ’n Sasunn, Bruchdich na ceudan ga ’faicinn. ’S ionghnadh leo i-fhein ’s a prasgan. ’S lionmhor maighdean bheusach,bhas-gheal, ’Shaoithricheas gan eisdeachd tacan, ’S piob nan dos reidh ga spalpadh, ’S òl le reit’ air mac-na-bracha. Beannachd a chairdean ’s a thuatha, A cheathairne ’s a dhaoin’ uaisle, Do ’n treun laoch a chuir a suas i, An Raonullach a’s sine ’chualas, Mac-Mhic-Alasdair a chruadail; ’S gu ma fada maireann, buan e, ’S oighre na ionad ’bhi ’n uachdar Air a chinneadh, ’s gun robh buaidh leis. Glac an nuas an t-searrag riomhach, ’Fhir ga riachaid na bi miothar; Ma ’s a branndaidh, beoir, no fion i, Dean a ghloine sin a lionadh, Dloch-slaint’ a Gharranich phriseil ’S an d’ fhas an fhuil uasal, rioghail, Oighre dligheach Rois is Ile, Mhuile ’s Innse-Gall ’s Chinntire. An Smarag, the Emerald. ORAN MU NA CAORICH MHORA. LE IAIN GRANND. Deoch-Slaint’ ’Choirueil nach maireann, ’Chumadh seol air a ghabhail; Nam biodh esan os ar cionn Cha bhiodh na croinn air na sparran. Bhiodh an tuath air an giuilachd, ’S cha bhiodh gluasad air duine; ’S cha bhiodh ardan gun uaisl’, ’Faighinn buaidh air a chumant’. Tha gach uachdaran fearinn ’S an taobh-tuath air am mealladh, A cur cul ri ’n cuid daoin’ Airson caorich na tearra. Bha sinn uair ’s bha sinn miaghail,— ’Nuair bha Frangich cho lionmhor; Ach ged ’thigeadh iad an raoir, Cha do thoill sibh dhol sios leibh. Nam biodh aon rud ri tharruinn Bhiodh mo dhuil ri dhol thairis; On dh’ fhalbh muinntir mo dhuthch’ ’S beag mo shunnd ris a ghabhail’. Bidh mi trusadh mo bhagaist, Bidh mi ’falbh is cha stad mi, ’S bidh mi comhla ri càch Nach dean m’ fhàgail air cladach. Ach a Righ ’th’ air a chathair, ’Tha nad bhuachaill’ ’s na t’ Athair; Bi na t’ fhasgadh do ’n treud ’Chaidh a reubadh na mara. Is a Chriosd ’th anns ua flaitheas, Glac an stiuir ann ad lamhan, Agus reitich an cuan Gus an sluagh leigeil thairis. Chaochail an Coirneal Ghrannda ’sa bhliadhna 1801. MOLADH NA LUINGE. LE COINNEACH MAC-COINNICH. LUINNEAG. Is beag mo shunnd ris an liunn, Moran buirn ’s beagan bracha B’ anns’ leum caiseamachd mo ruin, Air cuan dubh-ghorm le capull. Ged a tha mi ann san am Air mo chrampadh le astar, ’S tric a thug mi greisean garbh Air an fhairge ga masgadh. Greis le beachd a deanamh iui’l, ’S greis ’cur siuil ann am pasgadh; Greis air iomairt, ’s greis air stiuir, ’S greis air chul nam ball-acuinn. ’S e mo cheist an capull grinn Rachadh leinn air an aiseag, ’S taobh an fhuaraidh os a cinn, ’S muir ri linn taobh an fhasgaidh. Uair a bhiodh i fada shios, Anns an iochadar ’s nach faict’ i, Is greis eil’ an aird nam frith, ’S i cur dh’ i air a leth-taobh. ’S i nach tilleadh gun cheann-fàth, ’S i neo-sgàthach gu sracadh; A gearradh tuinn’ le geur roinn. ’S cudrom gaoith air a slatan. Nuair a chuirt’ i air a doigh, ’S a cuid seol ris na racan, Chuirt’ am mach an t-aodach sgeoid, Sud a sròn ris an as-caoin. Bhiodh i turraban gun tamh, ’S chluinnt’ a gairich fo ’n t-sac i, Bhiodh gach glun d’ i a dol fillt’, ’S chluinnteadh bid aig gach aisne. Chit’ a mhuir ’na tonnaibh ard’, ’S chluinnt’ i gairich gu farsuinn, Is bheireadh ronn ard nan steall Buille throm anns gach achlais. Ann an ascaoineachd a chuain, ’S ann am fuathas na fraise, Thugaibh faicill air a ghaoith, ’Fhearaibh gaoil cumaibh rag i. Chluinnteadh farum aig an fhairg’, Molach, garbh ann san ath-sith, Beucach, *rangach, torrach, searbh, Srannach, anabharra bras i. Buill ’bu treis’ de ’n chorcich ùir, Croinn de’n ghiubhsich ’bu dathte, Eideadh cainbe nach biodh meanbh, ’S chiteadh geala-dhearg a bhratach. ’S e mo run na fearaibh gleusd’, ’S iad nach treigeadh an caitean; Chluinnteadh langan nam fear og’, ’Siad nach deonicheadh gealtachd. Tha an cridhe farsuinn mòr, ’S tric a dh’ òl iàd na bh’ aca, Danns’ ac’ nigheanan, is ceol, ’Nuair bu choir bhi nan leaba. Bidh iad fiorachair ro gheur ’Nam do ’n ghrein dol a chadal, ’S ceileireach, luinneagach reidh, ’Nam bhi ’g eoridh ’sa mhaduinn. *Rangach, wrinkled. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se gle shaor. Marbhaidh Cherokee Vermifuge biastan. I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I.O.G.T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. [TD 17] [Vol. 4. No. 3. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 20, 1895. No. 3. AN CRANNCHUR. (Air a leantuinn.) “Stad ort, ged ’tha,” arsa Seumas, “leig dhomh do thuigsinn gu ceart. Le fichead punnd Sasunnach a chur a stigh tha thu cinnteach air fichead mile ’fhaighinn a mach?” “Cha d’ thubhairt mi gu’n robh mi cinnteach, “O, tha teagamh ’s a’ ghnothach mata? Tha muinntir eile ’s a’ chuis cho math riutsa?” “Cha ’n ’eil mi cur ag, ach—” “Co meud, a bheil ’fhios agad?” “Cha ’n ’eil; cha d’ fheoraich mi.” “’S cha mho a ruigeas tu leas,” fhreagair Seumas Mor gu durachdach. “Tha thusa a Dha’idh Shulair, ann ad dhuine bochd mar tha mi fein; cha ’n ’eil e furasda dhuit fichead punnd Sasunnach a sheachnadh. Tha e fior gu leoir gu ’m faod thu buidhinn, ach tha e moran na ’s coltaiche gu ’m faodadh tu call. Dh’ iarr thu mo chomhairle, agus fhuair thu i.” “Moran taing dhuit,” arsa Da’idh, ’s e a’ falbh; ’s cha robh e idir toilichte. Bha Da’idh Sulair uine mhoir m’ an do chuir e iompaigh air a mhnaoi chuiseil, ’s m’ an d’ fhuair e gu ’n d’ aontaich no gu ’n d’ thug i gnuis do ’n ghnothach; ach mu dheireadh, le argumaidean seolta, cha ’n e mhain gu ’n do dhearbh e dhi gu ’n robh an ceum a bha e ’cur roimhe ’ghabhail glic agus crionnta, ach bha a’ leithid de bhuaidh aige oirre ’s gu ’n d’ fhas i deich uairean na bu déine mu ’n chuis na e fein. Thog i oirre suas an staidhir gun tuilleadh dalach, chuir i a lamh a suas an simileir as an d’ thug i seann stocaidh dhubh far an robh fichead punnd Sasunnach am falach aice; chuir i an t-iomlan gu toileach ann an laimh Dha’idh, a dh’ fhalbh, gun mhoil e mi-moile, ’s a phaigh an t-airgiod do mhuinntir a’ chrannchuir, bho ’n d’ fhuair e air ais cairt bheag—cairt a bha ann an uine ghoirid gu ’chur ann an seilbh air storas mor. “C’ uin a tha an tarruing ri’ bhi?” dh’ fheoraich Peigi. “Seachdain o ’n Dimairt so ’tighinn,” arsa Da’idh. “Seachdain o ’n Dimairt so ’tighinn? Cha toigh leam sin; tachraidh e air Latha-gnothach-na-cubhaige.” “Sin agad a’ cheart aobhar air son an do thagh iad an latha,” fhreagair Da’idh ’s e a’ suathadh a lamhan; “cuiridh iad fear no dha air gnothach na cubhaige.” Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann, co ’thainig a stigh ach Seumas Mor. Thainig e a chur stad air Da’idh, ’s a dh’ earaileacheadh air gun e ’chur a chuid ann an rud a bha cho teagmhach agus a bha ag aobharachadh a leithid de sheanchus feadh a’ bhaile. “Tha ’n gnothach a nis deunta,” arsa Da’idh. “Seall! ’s thug e a’ chairt as a phoca. Sheall Seumas oirre gu taireil, “A bheil cuimhne agad air an t-sean-fhacal,” ars’ esan. “Cha ’n ’eil, ciod e?” “Is furasda an t-amadan ’s a chuid a sgaradh o cheile,” thuirt Seumas, ’s thug e an dorus air. “Ciod e sud a thuirt e?” dh’ fheoraich Peigi. “Tha, gu bheil sinn cinnteach duais mhor a bhuidhinn,” fhreagair Da’idh Sulair. “Feumaidh sinn gach ni a chur fo uidheim uir bho mhullach gu iochdar,” thuirt Da’idh agus e ’n a shuidhe aig a shuipeir; “cha fhreagair na seana buird agus na cathraichean so dhuinn ann ar suidheachadh ur agus eadar-dhealaichte. Gheobh sinn buird agus cathraichean riomhach, ura; sgathain mhora agus cuirteanan aillidh m’ an cuairt na h-uinneagan. Bidh sinn reidh ’s caradh mholtairean as phoitean ’n a dheigh sin—agus air son geurachadh shiosar,—” Thug e breab do ’n inneal-gheurachaidh a bha lamh ris mar a labhair e ’s chuir e le urchair a dh-oisinn eile ’n tighe e. Chaidh seachdain seachad; thainig an latha. Chuir Da’idh e fein an ordugh moch air maduinn a dhol do ’n bhaile-mhor. M’ an d’ fhalbh e thug a do Pheigi na seolaidhean a leanas:— “Ma theid cuisean mar a tha suil agam, cha tig mi dhachaidh d’ am chois, cuimhnich thusa. Thig mi dhachaidh ann an carbad. Bi thusa a’ faireadh air mo shon aig uinneig uachdaraich, agus an uair a chi thu an carbad a’ tighinn m’ an cuairt an oisinn, tuigidh tu gu bheil mi dluth. Togaidh tu ’n sin a suas an uinneag agus tilgidh tu a’ h-uile ball airneis air am faigh thu greim, a mach air an t-sraid; na caomhain sion; a mach leis gach stob dhi. Tha thu a’ tuigsinn, a bheil? Beannachd leat, mata, gus an till mise.” Thog Da’idh Sulair air, agus e ’n a bheachd fein cheana ann an seilbh air beairteas nach gabhadh tomhas. Choisich Da’idh Sulair a stigh do ’n bhaile-mhor le ceum aotrom saighdeir. Bha e ann an surd fuathasach; bha a cheann anns na neoil agus mar a bha e a’ tartraich a sios an t-sraid bheireadh e barr a bhata a nuas le fead a bha ’cur teine as na clachan agus a’ fagail caoir de shradan as a dheigh. Cha robh e ach goirid a’ ruigheachd an ionaid anns an robh na croinn ri ’n tarruing. Bha dumhladas mor sluaigh air cruinneachadh cheana. Bha lanaighear agus mire a’ toirt mac-talla as na ballachan. Cha robh smuairean air aghaidh neach, oir cha do chaill duine aca fathasd air a’ chrannchur. (Ri leantuinn.) Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige. Ma théid thu air feadh a’ phuill cha tig thu as cho glan ’s a chaidh thu ann. [TD 18] [Vol. 4. No. 3. p. 2] EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH (Air a leantuinn.) CHA luaithe a chaidh am focal iad a bhi ’n sàs, a mach na thug Clann an Tòisich orra; cinneadh treun, curranta, foghainteach. Ged nach robh iad ann am blàr riamh roimhe, gus an là sin, cha b’ urrain doibh seasamh na b’fhaide, a dh’ fhaicinn an sgrios a bha na gunnachan mòr a’ toirt air an càirdean. Bhrist iad a mach, nan aon sgaoth o mheadhon an fheachd, agus thàr iad as roi’ thoit an fhùdair, agus an aghaidh frasan sneachda, gu ’bhi ’am broilleach an naimhdean; ghrad lean muintir Athuill, na Camshronaich, na Stiùbhartaich, na Frisealaich, agus Clann ’Illeathain iad; an Ceannard Muireach air an toiseach, leis a’ mhisneach neo-sgàthach air son an robh e comharraichte. Ann an tiota bha’n t-arm Gaidhealach uile mar aon bhuidheann anns an ionnsuidh; ach Clann Dòmhnuill, dh’ fhuirich iadsan air an ais, a’ gabhail mar leth-sgeul gu-n d’thugadh urram na làimhe deise uatha, ’s gu-n d’thugadh do na Camshronaich i. Bu ghnàth leis na Gàidheil ’an àm dol a sìos do’n chath, am boineidean a sgrogadh a nuas gu teann air am malaidhean; agus b’àbhaist do sheann duin’ uasal, measail, a chaochail o cheann ghoirid air a’ Ghalldachd, ’innseadh gur e’n sealladh a’s mò a dhrùigh air a chridhe a chunnaic e riamh, coslas uamharra nam Fineachan Gàidhealach (leis an robh e féin a’ cur a chath air an là sin) mar a bha iad a’ ruith a stigh air an naimhdean le colg buaireasach air gach sùil; gach curaidh air a thogail gu mire-chatha, gu bàs a chàirdean a dhìoladh: luth-chleas an lann r’ a fhaicinn os cionn an cinn; toirm a’ bhlàir a mach air an raon; caithream na h-ionnsuidh air a togail, agus “Bàs no Buaidh!” ann am beul gach seòid. Bha’n ionnsuidh a thug na Gàidheil, agus a’ choinneamh a fhuair iad, mar bu dùth do dhaoine a bha ’strì air son geall cho àrd. Dh’ fhosgail an t-arm-dearg o cheann gu ceann le làmhaich bhàs-mhoir air na Gàidheil mar a bha iad a’ teachd air an adhart. Bha na gunnachan mòr’ air an tarruing a mach air dhòigh ’s gu-m faodadh iad muinntir Thèarlaich a smàladh ’n an ceudaibh leis gach griosaich oillteil a thàinig uatha; agus an àit’ aon pheileir mòr a bhi anns gach aon diubh, ’s ann a bha iad làn de pheileirean beaga a thàinig mar fhrois clacha meallain air na Gàidheil. Bha buidheann de’n arm-dhearg air an tarruing suas air leth o chàch a fhuair cuimse chinnteach a ghabhail air na Gàidheil mar a bha iad a’ dol seachad orra; ach a dh’ aindeoin so uile, ghabh iad air an adhart, gun umhail, gun sgàth. Na bha comasach do mhisnich agus do ghaisge, do fhearalachd, agus do threubhantas air nach d’thugadh riamh bàrr a dheanamh, rinneadh air an là so. Cha d’thug na Gàidheil an ionnsuidh mar dhaoine aig an robh spéis no suim d’am beatha, ach mar bhuidheann a bha ’cogadh fo chumhachd nach b’urrainnear a chosg, no ’cheannsachadh. Au ulfhartaich eagalach leis an d’thugadh an ionnsuidh—an sgairt àrd leis an do bhuaileadh a’ cheud bhuille—torran nan gunnachan mòra—dùdach nam marc-shluagh fuaim nan drumaichean—lannair nan airm-chatha—bha na’s leòir annta sin uile a dhùsgadh meith inntinn agus fiamh anns a’ chridhe ’bu chruadalaiche. “Mar dhealan oidhche ’s a’ bheinn, Mar onfha beucach a’ chuain, ’N uair ghluaiseas an tonn gu h-àrd; Mar thorrunn air cùl nan caurch, Bha fuaim, ’us farum a’ bhlàir.” B’uamhasach agus b’iomaguineach an tiota e—ach cha robh ann ach tiota; oir cha luaithe a sguabas an ioma-ghaoth an duilleach seargta o gheugaibh nan craobh, na sgiùrs na Gàidheil rompa a’ cheud earrann de’n arm-dhearg a choinnich iad. Gidheadh cha b’ann gun chall aìr taobh nan Gàidheal. Bha maise agus uaill nam Fineachan anns an t-sreith thoisich, agus thuit a’ chuid a bu mhò dhiubh anns an ionnsuidh eagalaich so: agus ged a dh’aom a’ chuid so de’n arm-dhearg air an ais roi’n treubhantas do-cheannsaichte a thàinig orra, cha b’ann gus an robh an airm-chatha air lùbadh ’s a cho-strì, agus air an deargadh gu’m bun ann am fuil chraobhach nan Gàidheal. ’N uair a bha ’m feachd toisich de’n arm-dhearg air an sgiùrsadh as an rathad, ghabh na Gàidheil air an adhart roi’n làmhaich mhilltich a bha ’tighinn orra, gus an robh iad dlùth do’n ath bhuidhinn de’n nàmhaid; ach mu’m b’urrainn doibh a bhi ’n am bad so le’n clàidheannaibh, bha ’chuid a bu tréine ’s a bu lìonmhoire dhiubh ’n an sìneadh air an raon. Cha robh comas air, b’ éigin strìochdadh; cha deanadh cruadal no gaisge barrachd feuma. Bha daoine ann nach pilleadh ’s iad beò, chaidh iad so fhathast air an aghaidh, ach cha d’ràinig duine dhiubh an nàmhaid. Thuit am fear mu dheireadh dhiubh mar fhad a chlaidheamh do’n fheachd, agus na ceudan an déigh cuimse bhàsmhor a ghabhail air uchd an laoich. Cha’n ’eil ni sam bith a’s mò a dhearbhas treubhantas nan Gàidheal air an là so, na gu’n robh iad ’an cuid de dh’ àiteachan ’n an sìneadh ’n an sreithibh ’an glaic a’ bhàis, triùir no chearthar ann an doimhneachd dhiubh air muin a chéile. Chaidh mòran de Chloinn-an-Tòisich a ghearradh as, agus thuit an ceannardan air fad, ach aon triùir. Am feadh ’s a bha na Fineachan mar so a’ cur a’ chatha, bha Clann Dòmhnuill ’n an tàmh—cha rachadh iad ceum air an aghaidh. “Leanaibh mise, a Chlann Dòmhnuill,” arsa Diùc Pheairt. “Cuiribh an cath mar bu ghnàth leibh, agus bithidh mi ’am Dhòmhnullach ri m’ bheò;” ach cha ghluaiseadh iad ceum. Bha daoine ’n am measg aig an robh caochladh spioraid, agus b’ann diubh so Mac Mhic Ranuill na Ceapaich; curaidh cho treun ’s a sheas rìamh air faiche; chaidh e féin ’s a dhaoine air an adhart gu fearail, ach cha b’fhada gus an do thuit esan, agus mòran de na daoine treun’ a bha leis. ’N uair a b’ éigin do na Gàidheil pilleadh, chuir am Prionns’ e féin air ceann a’ chuid de’n fheachd nach robh ’s a’ chath; ach ged a thug iad tilleadh beag air na Sasunnaich, b’ éigin doibh ann an ùine ghèarr géilleadh. Rinn Tèarlach na dh’fhaod e a bhrosnachadh a chuid daoine, gu aon oidhirp eile a thoirt, ach bha’n t-àm seachad, dh’fhàs iad meith-chridheach, thuit an inntinn, agus cha chluinnte uatha, ach Och-òin! Och-òin! mo chreach, ’us mo dhìobhail, a Phrionnsa, a ghraidh! tha’n latha caillte. Bha’n ruaig a nis iomlan; ach cha b’ann gun spàirn a fhuaradh Tearlach o’n àrfhaich. Ghlac iongantas cho mòr an t-arm-dearg, ’n uair a chaidh an latha so leo, an déigh na deuchainn chruaidh a fhuair iad, s gur gann a chreideadh iad gu-n robh iad buadhar; ionnas gu-n robh iad ré seal mu-n gabhadh iad de mhisnich na rachadh air tòir nan Gàidheal; ach ’n uair a chaidh, [TD 19] [Vol. 4. No. 3. p. 3] mhort agus mharbh iad gu neo-sheachantach, gach neach a thàinig ’n an caramh. Cha mhòr nach do ghearradh as gu buileach an earrann a ghabh rathad Inbhernis; ach fhuair earrann mhòr eile dhiubh as, a rinn air son nam monaidhnean, far nach bu chomasach do’n arm-dhearg an leantuinn. Mar a bha ’bhuidheann so gu dol a nunn air abhuinn a bha dlùth dhoibh, choinnich iad buidheann mhòr de na trupairean Sasunnach, a chuireadh a mach a chum an sgrios, ach ’n uair a chunnaic iad an coltas colgarra a chuir na Gàidheil orra, rinn iad bealach dhoibh gu dol seachad gun bhuille a bhualadh. Cha robh am measg nan Sasunnach ach aon fhear a thug oidhirp air grabadh a chur air na Gàidheil, b’ oifigeach am fear so, agus is daor a dhìol e air a’ shon; thug e ionnsuidh air prìosanach a dheanamh de dh’ fhear de na daoine so a bha air deireadh, ach thionndaidh an Gàidheal ris agus ghèarr e sìos e le aon bhuille d’a chlaidheamh. Cha-n fhòghnadh so leis, ach chrom e sìos agus thug e leis uaireadair òir an t-Sasunnaich; agus lean e a chàirdean. Cha’n urrainn duinn cunntas a thoirt mu gach gnìomh treubhach a rinneadh leis na Gàidheil ’s an àm so, ach cha-n fhaod sinn gun iomradh a thoirt air gnìomh euchdach a rinneadh le duine foghainteach do’m b ainm Gillios mòr Mac Bheathain. ’N uair a theich a chompanaich uile, thug a naimhdean ionnsuidh air, agus leòinte mar a bha e, chuir e ’chùl ri balla, far an do sheas e gu gaisgeil an aghaidh àireamh mhòr de na trupairean. Bha iad titheach gu cur as da, ach bha esan cho gramail ’g a dhìon, ’s gu-n do thuit trì-fir-dheug d’a naimhdean marbh m’a thimchioll. Ghlaodh cuid de na h-oifigich an duine foghainteach a chaomhnadh, ach cha do ghabh iad suim do’n iarrtas—cha riaraicheadh ni air bith iad ach bàs an fhùirbidh thréin. Mar so chuireadh blàr Chùil-fhodair, ann an uidh a bu lugha na leth uair an uaireadair. Fhuair an t-arm-dearg buaidh cho iomlan is a b’urrainn doibh ’iarraidh; ach beag buidheachais doibh air a shon, bha gach cothrom aca. Na-m bitheadh Clann Dòmhnuill air dol sìos mar a chaidh càch, agus leis an treubhantas a bha cho dualach dhoibh, bhiodh, ma dh’ fhaoidte, deireadh eile aig an latha. Ach beag no mòr a choisinn an t-arm-dearg de chliù air an là so, chaill iad e le’n giùlan brùideil, mì-chneasda ’n a dhéigh sin, leis an d’thug iad tàmailt orra féin. agus air a’ cheannard chruaidh-chridheach, dhìoghaltach a bha air an ceann. DAN MU BHLAR CHUIL-FHODAIR. Tha’m Blàr air a chur air monadh an fhraoich, Tha’n sgiath air a spìonadh o ghuaillibh nan laoch; Bhristeadh an claidheamh ann an làmhaibh nan Saoi, ’S tha fuil nam fear geala fo bhonnaibh nan daoi. Tha’m breacan, ’s an t-fhéile leis na dh’ éideadh na Sàir, Le marcaichibh Shasuinn air an saltairt ri làr; Tha’n suaicheantas uasal a chòmhdaich na suinn, R’a fhaicinn ’s an àrfhaich, gun àilleachd gun loinn. Ann an dùthaich nam mòr bheann, tha uamhas ’us caoidh, Luchd nam boineid, ’s nam breacan cha’n fhaicear a chaoidh, Na fir ùra ’bu tréine nach géilleadh ’s iad beò, Air monadh Chùil-fhodair, gun phlosg ’us gun deò. Slàn leat a Thèarlaich, chaidh an iomairt le càch; Oighreachd do shinnsir, chaidh i dhìth ort gu bràth, Thug thu’n oidhirp, ’s bu treum i, le gaisgich mo ghràidh; ’S bi’dh iomradh ’ur cruadail air a luaidh gu là ’bràth. GIULAN BRUIDEIL NAN SASUNNACH. “Mo chreach armailt nam breacan, Air an sgaoileadh, ’s air an sgapadh ’s gach àit, Aig fìor bhalgairean Shasuinn, Nach do ghnàthaich bonn ceartais ’n an dàil: Ged a bhuannaich iad baiteal, Cha b’ann d’an cruadal no’n tapadh a bha, Ach gaoth an iar agus frasachd, Thigh’nn an Iar oirnn bhàrrr machair nan Gall.” Chuir Blàr Chùil-fhodair as de gach dòchas àrd a bh’ aig Prionns’ Tèarlach agus aig a dhaoine. Thuit air an latha mhì-shealbhar sin, os ceann mìle de na gaisgich a b’ fhoghaintiche a dh’ éirich leis. Anns an àireamh sin bha mòran de dh’ Uaislean na Gàidhealtachd. De na còig cath-bhuidhnean de na Fineachan a chaidh a sìos anns an ionnsuidh chumhachdaich a thug iad air na Sasunnaich, bha ’chuid a bu mhò de’n t-sreith thoisich air am fàgail ’n an sìneadh ’s an àrfhaich. Thuit Mac Lachlainn an t-Sratha. Chuir Fear-nan-Druimnean, an Leathanach treun, e féin air ceann na buidhne sin; mar a bha an sean laoch so a’ teachd a mach as a’ chath, mhothaich e gu-n robh dithis d’a mhic a bha dlùth dha air an leònadh gu trom; agus chual’ e gu-n do thuit an treas fear. Cha bhi so gun dhìoladh, ars’ esan, agus e ’pilleadh air ’ais, gun bhoineid gun ghruag; thachair dà thrupair air, mharbh e’n dara fear agus leòn e am fear eìle: ach thàinig triùir as ùr air a leag a sìos an duine foghainteach. Bu dìomhain tòiseachadh ri ’ainmeachadh gach flath treun a thuit. Chaidh seachd-fir-dheug de dh’ uaislean na h-Apunn a mhàin a mharbhadh, agus deichnear a leòn. Air monadh Chùil-fhodair chìtear gus an là ’n diugh, iomadh comharadh soilleir air a’ chasgradh mhuladaich so; am measg an fhraoich dhorcha, chithear iomadh tolman uaine, ’n an sreathaibh taobh ri taobh, a’ nochdadh far an do thuit na laoich. Air gach taobh de’n t-slighe gu Inbhernis tha iomadh tigh caol cumhann de ’n t-seòrsa cheudna, mar chuimhneachan air an àr dhiùbhalach a thachair an déigh a’ bhlàir. Air na h-uaighibh gorma sin, tha ’n neònain geal agus an dìthein bòidheach le caoimhneas a’ faireadh nan ionadan uaigneach sin, anns am bheil gaisgich threun’ an dùthcha a’ gabhail an tàimh dheireannaich. Cha-n ann da rìreadh gun sgreanh agus gun oìllt, is urrainn duinn smaointeachadh air an sgrios gun iochd a thugadh air ar luchd-dùthcha an déigh Blàr Chùil-fhodair. Faodar a ràdh le mòr fhìrinn, nach cualas a shamhuil ann an aon chogadh a thachair ’s an Roinn-Eòrpa. Mar nach fòghnadh leis an arm-dhearg na chuir iad gu dìth anns a’ bhlàr; an déigh dhoibh an ruaig a chur, tharruing iad an clàidheann, agus mar allamharaich fhiadhaich, chaidh iad air an ais agus air an adhart feadh na h-àrfhaich a’ cur as do gach aon anns an d’ fhuair iad an deò; agus le brùidealachd air nach d’thugadh riamh bàrr, a’ sàthadh an lann ann an cneas nan laoch treun’ a bha cheana marbh. Cha-n e ’mhàin gu-n do cheadaich Diùc Chumberland so, ach ’s ann a ghabh e mòr thlachd anns a’ chùis. Tamull beag an déigh do’n bhlàr a bhi seachad, bha e féin agus an gaisgeach foghainteach sin Wolfe, a choisinn cliù cho mòr an déigh sin ann an America, a’ marcachd far an do chuireadh am blàr, agus air dha Gàidheal bochd leòint’ fhaicinn air ’uilinn, thubhairt an Diùc ri Wolfe, “tilg an slaìghtire ud, aig am bheil de dhànadas amharc orm leis na h-uiread thàir.” “Tha mo chomission am buil do mhòrachd, ars’ an duine fiachail, “ach cha bhi mi a’ m’ mhortair.” (Ri leantuinn.) [TD 20] [Vol. 4. No. 3. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 20, 1895. Bha muinntir Bhreatuinn air an t-seachdain so a’ taghadh pàrlamaid ùr, agus cho fad ’sa fhuair sinn fios tha na Tories fada fada air thoiseach air na pàirtidhean eile. Bha pàrlamaid Roseberry air a fàgail lag leis an liuthad pàirtidh a bha innte, agus gun aon phàirtidh a bhi tuilleadh us làidir; ach tha e glé choltach gu’m bi a phàrlamaid ùr air dòigh eile; bidh aon phàirtidh na’s làidire na càch uile, agus theid aca air cuisean a chur air adhart mar is àill leotha. Tha phàrlamaid air a gairm gu bhi cruinn air a cheud latha dhe’n fhoghar. Cho luath ’sa bhios an àireamh so dhe’n phaipear a mach, tha ’m fear-deasachaidh a dol a thoirt sgriob a mach dh’an dùthaich, agus ma theid gach ni gu math leis cha bhi e air ais gu ceann còrr ur seachdain. Mar sin, cha tig MAC-TALLA mach idir Di-sathairne s’a tighinn. Tha e a tigh’nn a mach a nise o chionn còrr us tri bliadhna, agus anns an ùine sin, cha do ghabh am fear deasachaidh dha fhéin ach aon seachdain. Tha e nise air fàs sgith de chuingealachd ’s de stùir a bhaile, agus tha e cur roimhe beagan ùine a chur seachad am measg nan cnoc ’s nan gleann a tha timchioll air Hogamah. Tha e ’n dòchas, ’nuair a thilleas e, gu’n teid aig air a radh, mar thuirt am bàrd roimhe, “An t-uisge glan ’s an t-àile Th’ air mullach nam beann àrda, Chuidich e gu fàs mi; ’Se ’rinn dhomh slàint us fallaineachd.” Agus an sin gu’n teid aige air obair a dheanamh moran na’s fhearr air tàilleamh a thuruis, gu’m bi am MAC-TALLA na’s briathraiche ’s na’s brioghaire, agus gu’m bi an luchd leughaidh mar sin air an làn phàigheadh air son deanamh as aonais aon seachdain. B’fhearr Comunn an Asail. Bha Righ Spainteach ann, aon uair, leis am b’àill a bhi ’na bhard agus gu dearbh bha e féin am beachd gu’n robh e mar sin; ach cha do shaoil muinntir eile sin. Rinn e dàn neònach uair agus dh’aithn e do’n bhàrd aige a bharail a thoirt air. Thuirt am bàrd nach robh aige ach barail bhochd air. Le sin ghabh an Righ mòran feirg agus corruich agus thug e àithne do cheannard nan saighdearan am bàrd a thoirt do’n stàbull, agus e a bhi air a cheangal taobh ri taobh le asail a bha an sin. Bha am bàrd bochd air a chumail anns an àite sin ré beagan mhiosan gus an d’rinn an righ duan eile. An sin thugadh e an làthair an righ, a thuirt ris gu’n leughadh e an duan da, agus an deigh sin gu’m b’éiginn da a bharail a thoirt air. Leugh an righ e agus nuair a ràinig e a’ chrioch dh’ amhairc e air a’ bhàrd. Cha d’thubhairt am bàrd facal, ach thionndaidh e a dh’ ionnsuidh nan saighdearan agus thuirt e, “Thoiribh air àis a dh’ ionnsuidh an asail mi.” Choinnich da Eirinneach air sràid ann an Lunnainn an latha roimhe agus thuirt aon diubh ris an fhear eile “Shaoil leam gu ’m bu tusa bha ann a Phàdruig” “Agus bha mise am beachd gu ’m bu tusa bha ann a Sheumais” ars an dara fear “ach tha mi nise faicinn nach e fear seach fear dhinn a th’ ann.” Tha 910,289 sluaigh a’ labhairt na Gàidhlig Chuimreach (Welsh) anns an Odhailt, agus tha na Ministirean ag ràdh gu’m beil i air a labhairt le 236,000 ann an Sasunn. Chithear le so, gu’m beil spéis mhòr aig na Cuimrich do chanain an sinnsear. Cha-n eil aon siorramachd ann an Albainn anns nach ’eil muinntir aig am beil a’ Ghàidhlig. BAIS. Anns an Roseburn, air an aonamh latha deug de mhios deireannach an t-shmhraidh, an deigh moran tinneis a thugadh air leis a ghrip, Domhnull Mac Fhionghain, leth-cheud bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Dh’fhàg e bean us ceathrar chloinne. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “’S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 21] [Vol. 4. No. 3. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thainig an t-uisge mu dheireadh, agus tha choltas air gu’n tig gu leòr dheth. Na’m bitheadh e air tighinn beagan na bu tràithe, bu mhor am feum a dheanadh e dh’ an dùthaich, ach o nach d’thainig e tràth, ’s math e thighinn anmoch. Ni e feum dh’an arbhar ’s dh’an bhuntàta an dràsda fhéin. ’S uamhasach an call a tha ’n teine deanamh a h-uile bliadhna. Eadar Canada agus na Stàitean, air a mhios s’a chaidh bha còrr us fiach naodh muillein dolair ($9,000,000) air a losgadh. Agus ré nan sia miosan a chaidh seachad, bha còrr math us tri fichead us sia muillein dolair ($66,000,000) air a losgadh ’s na dùthchannan ceudna. Tha so gun ghuth a thoirt air an liuthad beatha a chaidh a chur a dhith leis. ’S fior an facal gur a seirbheiseach math an teine, ach gur droch mhaighstir e. Còmhla ris an àr-amach a th’ann an Cuba air an t-samhradh so, tha ’m fiabhrus buidhe air toiseachadh, agus a deanamh sgath mor a measg an t-sluaigh. Tha ’m fiabhrus so buailteach do dhùthchannan tetha mar tha Cuba, agus ’nuair a thòisicheas e, ni e sgrios gàbhaidh. Cha b’ iongatach ged a chuireadh am fiabhrus, car greis, stad air a chogadh. Cha’n eil a chuid mhòr de na saighdearan Spàinnteach cleachdte ri teas na dùthcha, agus mar sin thig an euslaint moran na’s truime orra. Tha ’n daolag a deanamh sgrios mor air a bhuntàta air an t-samhradh so mar a bha i o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Tha e air innse ’n dràsda gu bheil beothach beag coltach ri seangan air tigh’nn air a’ bhuntàta ann an Eilean a’ Phrionnsa, a tha cur as dh’an daolaig mar nach olc. Ma tha ’n sgeul fior ’s e ’s fhearr na ’m “puinnsean Frangach,” na puinnsean sam bith eile air son cur as do’n daolaig. Ma theid leis gu math ann an Eilean a Phrionnsa tha sinn an dòchas gu’n tig e a Cheap Breatunn. Chaidh fiadh fiadhaich a ghlacadh aig Ceap Nòr an la roimhe. Bha triùir dhaoine mach ann am bàta, agus chunnaic iad beòthach bòidheach a ruith pios air a chladach, a leum dh’ an uisge ’sa deanamh direach air eilean beag a tha mach o’n chladach. Thug iad as a dheigh, agus an deigh beagan oibreach, fhuair iad ròp a chur mu amhaich ’sa thoirt gu tir. Thug iad dhachaidh e mu dha mhile dh’ astar, agus tha e nise air fàs gu math callda. Ithidh agus òlaidh e gach biodh a bheirear dha cho math ri laogh. Chaidh fear Uilleam Beals a mharbhadh ann a Halifax feasgar Di-luain air dòigh eagallach. Bha e ag obair air an t-sràid le each us cairt, agus e air an daoraich. Bha forc fheòir aige, agus thòisich e air a stobadh anns an each gus a ghreasad. Theich an t-each agus bhuail a chairt ann an craoibh; chaibh i thairis agus thuit i air muin an duine. Bhuail té dha ne cuidhlichean air sa cheann agus phrann i e, ’ga mharbhadh air a bhad. Tha iad ag radh gu’m b’ oillteil an sealladh ri fhaicinn e. Chaidh an t-each a mharbhadh cuideachd leis a bhuille fhuair e ris an t-sràid. Tha Banca ann am Montreal (La Bangue du Peuple) a tha ’n deigh ruith a mach á airgead, agus cha’n urrainnear sgillinn a phàigheadh a mach gu ceann thri miosan. Tha e glé choltach gu feum e dunadh gu buileach an ceann na h-ùine sin, ach cha chaill gin dhiubhsan aig an robh airgead ann an cuid. Tha aig Uachdaranachd Chanada ri sealltuinn as deigh na cuise sin. Thaghail an càbhlach Eadailteach ann am Breatuinn o chionn ghoirid agus chuir sluagh na dùthcha sin fàile chridheil oirre. Chuir a bhan-righ fios gu Righ Humbert ag innse dha cho fior thoilichte ’sa bha i fhéin ’sa h-irchdarain arm-mara na h-Eadailt fhaicinn ’nan dùthaich, agus fhuair i fios-freagairt uaithe gun dàil a toirt moran taing dhi féin ’s do shluagh na rioghachd, air son an caoimhneis ’san deagh dhùrachd. Thatar a deanamh moran fiona ann an California. Tha ’m fion sin air a reic ann an New Orleans air ochd sentichean deuga an galan. Thatar ’ga thoirt a bhaile New York, ’s ga chur suas ann am botuill fo ainm fion Frangach, agus ’ga reic air coig dolair an galan. Tha moran dhe’n t-seorsa sloightireachd sin a dol air adhart ’s an t-saoghal an diugh. ’N uair a cheannaicheas duine rud cha’n urrainn dha bhi cinnteach gu dé th’ aige. Bha stoirm mhor aca ann an New York ’s an New Jersey toiseach na seachdain so. Bha da bhaile bheag air an droch bhristeadh leis an stoirm, agus bha triùir no cheathrar dhaoine air am marbhadh; chaidh taighean a bhuineadh do’n rathad-iaruinn a chur as a chéile. Ann an Connecticut bha stoirm chlacha meallain aca mu’n àm cheudna, a rinn milleadh mor air bàrr na dùthcha, agus gu h-àraidh air craobhan an tombaca. Tha e air a mheas gu’m bi ’n call suas ri leth muillein dolair. Chaidh duin’ uasal ann an Ruisia uair ann an co-bhonn ri daoine eilean aghaidh an Iompaire; fhuaireadh a mach e, agus chaidh òrduchadh amaha gu Siberia. Chuireadh aodach mu shuilean a chum dubh dall e, chuireadh an carbad dorcha e agus dh’ fhalbhadh leis. Fad sheachd latha ’s sheachd oidhche bha ’n carbad air astar, gun stad a dheanamh ach fhad ’sa bhiodh na daoine gabhail bidh. An ceann na seachdain stad an carbad. Bha e cinnteach a nise gu robh e ann an Siberia, ’s gu robh a bheatha dhòruinneach a bha roimhe an sin gu tòiseachadh. Thugadh as a charbad e, thugadh am bréid dheth ’shuilean agus c’àit an robh e ach aig dorus a thaighe fhéin! Bha e fad nan seachd latha air a chuidhleadh timchioll a bhaile. Cha deach e an co-bhonn an aghaidh an Iompaire am feasda tuilleadh. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 22] [Vol. 4. No. 3. p. 6] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MACLAOMUINN, M.A.D.D. CAIB VIII. Bha an t-àm a nis air teachd anns a feumadh na maraichean falbh; dh-fanadh iad gu toilichte ni b’ fhaide fo sgàil na creige ach bha iad ag iarruidh duthaich a b’ fearr. A thaobh gu ’n robh iad co fad na ’n seasamh air “Carraig nan àl” bha iad air an atharrachadh na ’n cridhe, agus bha faguisgeachd tre aon spiorad chum an Athair; cha robh iad nis mò na ’n coigrich agus na ’n coimhich, ach na ’n luchd aoin bhaile ris na naomhaibh, agus ra muinntir-teaghlaich Dhé; agus air an togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air bhi do Iosa Criosd féin ’na chloich-chinn na h-oisinn. Be aon de na nithibh a dhùisg mòr ghairdeachas air an siubhal an àm bhi seòladh anns’ a chuan fhosgailte rithisd dòchas bhi aca bhi comasach air furtachd a dheònachadh do aon air bith a dh’fhaodadh bhi air a long-bhriseadh agus ann an cunnard dol a dhith. Thug iad air bord moran uisge as na tobraichean; agus air dhaibh beagan ùine chur seachad ann a meorachadh agus an urnuigh, dh’àithn criosduidh dhaibh seòladh. Bha e cruaidh leo an sùilean a thionndadh air falbh o ’n charraig, mu thiomchioll ’n do labhair iad fo’n ainm Carraig na Slàint. Bha an cursa na luidhe eadar ise agus Rudha gun Dòchas, far an robh slighe fhosgailte agus pailteas doimhneachd. Aig an am cheudna bha faicill ri chleachdadh chum an cladach air gach taobh a sheachnadh. Bha ’n t-uisg cho soillear air chor ’s gu ’m bu léir dhaibh a ghainmheach gheal air a ghrunnd. Bha sruth làidir a ghna’ ruith dh’ionnsuidh Tìr a Gheallaidh; uime sin tha mheud sa tha pilltinn air ais gu Babilon, agus a feuchainn ri dhol troimh ’n chaolas so a dh’aindeoin, tha iadsan gu tric air an ioman chum Carraig nan àl, agus air an Call. Air do’n t-soirbheas agus do’n t-sruth bhi fabharrach, agus gach aon na àite a deanamh a dhleasdanais, rinn Criosduidh gàirdeachas, agus thubhairt e ris fein: “Cha ’n eirich tuille doran dhuinn.” Ach thubhairt Tuigse, “Mar as mò ar tearunteachd ’s ann a’s mò ar Cunnart.” ’S’ neònach a chainnt sin fhreagair Criosduidh. “Gidheadh tha iad fior,” fhreagair Tuigse; “Nuair tha sinn ag imeachd fo sgàile na creige moire so, a bha na slàinte dhuinn, ciod a’s coltaiche na gu seasamaid a dùr-amharc oirre a lionadh ar n’ anman le ioghnadh gus am bheil sinn a dearmad bhi g-oibreachadh ar slàinte féin le h-eagal agus ball-chrith. “Ach tha Dia ag oibreachadh annainn,” fhreagair Criosduidh: “Is fior” agus mar eil sinne nar co-luchd oibir maille ri Dia, cha dean sinn tuileadh astar na dheanadh tu an àm dol air tir anns’ a “Ghealladh,” air dhuit bhi ’g iomradh leis an làimh dheas agus a deanamh fodha leis an lamh chli. “Agus am bheil sinn an cunnart mar an ceudna bho Rudha gun Dòchas?” dh-fheòraich Criosduidh. Fhreagair Tuigse mhain: “Bitheamaid dileas chum bàis agus fagamaid ar cunnardan an lamhan an Tighearna.” (Ri leantuinn.) Na Rionnagan. Tha astar nan rionnag on talamh, agus o aon a cheile, co iongantach ris an aireamh aca. Tha ’n teallsanach, Bessel a’ deanamh dheth gu’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faigse do’n talamh tri fichead muillean de mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faigse co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu’n timchioll-san a tha co fad’ as is gur gann a chithear idir iad? Tha’n solus a’ gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar a’ ghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Cha’n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna moir, dh’ aindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu tighinn o’n rionnag ris an abrar Draconis a dh-ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach d’ rainig an solus aca fathast an talamh so, o am a’ chruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a’ chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a tha ’g an stiuireadh ’n an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe! Cas air creathaill, ’s làmh an cuigeil, comharradh na deagh mhna tighe. Ceannsaichidh a’ h-uile fear an droch-bhean, ach am fear aig am bi i. Bha iasad a ghahhail ’sa thoirt riamh air feadh an t-saoghail. Tha ’chùram fhein aig gach latha; ach tha ’latha fhein aig gach cùram. Cha ’n urrainn cridhe glan a bhith aig an fhear aig am bheil teanga shalach. Cha ’n fhuiling a’ bhreug an solus fhaicinn; ach is e an solus is fhearr leis an fhìrinn Tha facal caoimhneil cho furasda ’ràdh ri facal crosda. Glé thric tha beagan molaidh co-ionnan ri mòran di-molaidh. Am fear a tha math gu trod, faodar a bhith cinnteach gu bheil e math gu labhairt. Buille ’s gach aon chraoibh ’s gun aon chraobh ’g a bristeadh: Mar is àirde ’chraobh is ann is mò a gheibh a’ ghaoth greim oirre. Tomhais an t-aodach tri uairean mu ’n gearr thu ’n deise. Am fear aig am bheil fearann ’s nach dean feum dhe, Am fear aig am bheil leabhraichean ’s nach leugh iad, Am fear aig am bheil cluasan ’s nach toir éisdeachd, Tha ’cheann ro ghann de chiall ’s de reusan. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 23] [Vol. 4. No. 3. p. 7] MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CUIMHNICH! gu bheilghinn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Ma ruigeas tu stor D. J DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B [TD 24] [Vol. 4. No. 3. p. 8] CALL GHADHAIG. LE CALUM DUBH MAC-AN-T-SAOIR. FONN.—Alastair, a laoigh mo cheille. ’S beag an t-ionghnadh mi ’bhi dubhach ’S an fheasgar, ’s a ghrian le bruthach; Dh’ fhag mulad ar suilean sruthach, ’S i ’n nolluig so ’thionndaidh ’chairt-dubh orm; Cha b’ eiric an ait an udhair, Ged bhithinn gu brath ri cumha, ’S nach dig thu ’chaoidh slan le d’ bhuidhinn Dh’ imich do Ghadhaig nan aighean. Nan digeadh iad slan, an Caiptin, ’M Bràthach ’s Iain Og Mac-a-Phearsain, An Granndach ’s MacFarlain sgairteil, Ged nach digeadh na feidh ghlasa, ’S ged a bhiodh na miol-choin tachte Bhiodh eibhneas ’s gach gnuis a lasadh. ’S e ’n t-Aog a bha guineach, ascaoin! ’S truagh nach robh e ’m priosan glaiste. Nam bu mhise maor a phriosain, Cha-n-fhaginn a chiont’ gun innse; Mo chomhdach air paipairean sgriobhte Air bialaobh luchd-breith’ is binne. ’S cinnteach gun rachadh a dhiteadh, Gun cuirt’ e gu grad as an righeachd, An ceangal air slabhruidhean iaruinn, ’S a chumail annt’ leth-chiad bliadhna. Ge boidheach gach rionnag a chi mi Tha ’n saoghal ’na bhriagadair inntinn. Cha n-fhaic mi thu ’siubhal frithe, Le d’ ghunna caol ’s e reidh, direach, A bhuaileadh air ball na disne; Le d’ ghillean ’s le d’ thaghadh mhial-chon. Tha cuaileanan gearrt’ gun chireadh On fhaisgeadh thu ’n cladh ’na sgireachd. Nuair ’bhiodh tu ri fiadhach beinne ’S tric a bha mise ’nam ghille, Le d’ lomhinn, beagan air dheireadh, A feitheamh ri fuaim do theine, ’Nuair ’stiuireadh tu e ’san eilid, Bhiodh toll air a bian le d’ pheileir,— Marbhaich’ na h-earbaig ’s a choilich, An dobhrain, na liath-chirc, ’s an t-sionnich. Cha n-fhaca mi barr aig duin’ ort A dhireadh nan carn ’s nam mullach, A mharbhadh nam fiadh ’sa mhunadh, A tharrinn nan lann ’bu ghuinich’, A bhualadh nan dorn ’sa chunnart. Deas labhirt aig mod ’s tu b’ urrinn, Dh’aindeoin no ’dheoin bu leat buidhinn; ’S gach cuis bhiodh morchuis is urram, Rinn stoirm call am braigh’ a ghlinne, ’S bha cruinneachadh mor ’san fhireach A giulan dachidh nan gillean ’S tu fhir mhoir nach gabhadh giorrag, Marcich eich shrianich air mhire, Ceann-feadhna an am na h-iomirt, Ite chorra sgeith do chinnidh, Nach d’ rinn riamh de ’n t-saoghal cillein. Cha b’ ionghn’ thu bhi ’n tus nam fear barricht’, ’Laoich nach biodh fada mu ’n mhalirt, ’Phaigheadh fear togail na carraid: Gur cairdeach thu ’dh-Alasdair Garrach, Do Mhac-Dhughill mor a Lathurn, ’Dh-Iarl’ Anntrum ’s do Mhac-Ic-Ailein, ’Dh-oighre Dhun-tuilm nam fear fallain, Da’m bu shuaineas leoghann ’s lamh fhala. Olc air mhath le luchd do mhi-ruin, Nam b’ aithne dhomh dheaninn t’ innse; Pearsanach do shloinneadh direach, Caiptin thu air Sliochd Ghiolliosa ’Chiosinn am blar a bha ’m Piorait. ’S a leag an trup Gallt gu h-iseal. ’S Ban-Domhnallach ’thug glun is cioch dhuit. Am mach a teaghlach Iarl’ Ile. Ged a tha mi ’n drasd air m’ aineol, ’S ann a bha mi og ’nam leanabh Air duthchas t’ athar ’s do sheanar, Mu dheas air baile nan gallan, Far am biodh crodh-laoigh air ghleannibh, ’S mnathan breidgheal ’fuaghal anirt Far am faighteadh fion gun cheannach ’S’ or ga dhioladh do luchd-ealidh. (Ri leantuinn.) ’S Fheudar Dhomh Bhi Beo. ’S fheudar dhomh bhi beo, Ged a robh thu ’m dhith; Ciamar gheobh mi ’n smuairein so Chumail dhiom? ’S fheudar dhomh bhi beo, Ged a robh thu ’m dhith. ’S muladach a ta mi Mach ri Dail-na Ceardach, ’S gun a’ ghruagach lamh rium— Gaol a’s gradh mo chridh’. ’S fheudar dhomh, &c. ’S i mo ghaol an ainnir ’S deise theid ’n a h-anart; ’S iomadh diuc a’s baran Dh’fharraideas, Co i? ’S i mo ghaol an déideag ’S deise theid ’n a h-eiteadh; ’S coltach ri deo-grein’ i ’N uair a dh’ eireas i. ’S ann ort a tha ’n cul-snìomhain, Nach feum cir g’a chireadh, ’S e mar theudan sioda, Sios mu chul do chinn. Tha’n t-urram dhuit air dannsadh, Anns gach coisir ghreannar; ’S mor a thug mi gheall duit, Ged a mheall thu mi. ’S muladach a ta mi Dol a stigh do ’n bhata. ’Dhol a nunn thar saile, ’S gu la ’bhrath cha till. Ach ’s e dh’fhag mi bruite, ’N ainnir a chur cul rium; ’N deigh na rinn i ’shugradh, ’S tursach tha mo chridh.’ Gheibhteadh damh, ann an Albainn, an deigh Blàr Allt a’ Bhonnaich airson sia tasdan deug, agua caora airson ochd sgillinn deug, agua cearc airson da sgillinn. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. [TD 25] [Vol. 4. No. 4. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 3, 1895. No. 4. AN CRANNCHUR. (Air a leantuinn.) “Ciod e aobhar an gaireachdaich?” arsa Da’idh Sulair ris fhein; “am bheil suil aca gu ’m buidhinn iad uile?” agus car tiota dh’ eirich seorsa de amharus ’n a inntinn mu a shoirbheachadh fein. Thainig fallus fuar air a’ smaointeachadh na ’n cailleadh e; ach thilg e dheth gach teagamh agus sheas e a dh-fheitheamh na crich. Cha d’ fheum e feitheamh fada. Thainig balachan beag a stigh le cuirneachadh air a shuilean agus aon d’ a lamhan ceangailte air a chulaobh; chuir e a lamh lom ann an bocsa, thug e ’mach cairt agus shin e do ’n chleireach i, a leugh a mach air aireamh; an sin thog balachan air taobh eile an tighe cairt as a bhocsa fein agus shin e i do chleireach eile, a ghlaodh a mach, “Falamh” Rinneadh so fichead uair, gus mu dheireadh, an d’ thainig da chiad gu leth punnd Sasunnach air fear eigin. Thog iad iolach ard ’n uair a chual iad so; ghlac a chairdean air lamh an duine fortanach air an d’ thainig an da chiad gu leth, ach sheap an dream aig an robh an cairtean “Falamh,” as an rathad. “Falamh, falamh, falamh falamh; is i mo bharail gu bheil iad ach beag uile falamh,” arsa Da’idh ris fein; “cha ’n ’eil so idir mar a shaoil mi; ciod a dheanainn na ’n tuiteadh do m’ chairt fein a bhi falamh. Tha an t-am agam a bhi a’ gluasad a choir an doruis.” Falamh, falamh, falamh, leth-chiad uair eile as deigh a cheile, agus a’ sin, coig ciad punnd Sasunnach do chuideigin. “Falbh,” arsa Da’idh, “is fhiach sin rud-eigin, ach is suarach e lamh ris na tha suil agamsa ’fhaighinn. Ciod sud a chuala mi? ’S e sin an t-aireamh aig a’ chairt sgamsa; a dhaoin’-uaisle, ma ’s e ur toil e; is mise ‘77’”—“Falamh” ars’ an cleireach, agus thuit Da’idh Sulair bochd air a bheul ’s air a shroin, mar gu ’n cuirteadh urchair ann. Shaoil iad uile gu ’n robh e glan mharbh, ach cha robh. Fhuair iad a mach c’ aite an robh an duine bochd a comhnuidh; agus, a thaobh gu’n robh e astar air falbh, thairg duin’-uasal a bha ’lathair a charbad fein gu caoimhneil chum Da’idh bochd a ghiulan dachaidh. Chuir lad anns a’ charbad e ’s dh’ fhalbh iah leis. Bha Peigi fad uair an uaireadair a’ freiceadan aig an uinneig. A chum is gu ’n rachaidh aice na b’ fhearr air orduighean Dha’idh a chur an gniomh, fhuair i cuideachadh aon de na coimhearsnaich, chruinnich i gach stob airneis a bha ’s an tigh ann an aon seomar-mullaich, agus bha i ’nis ’n a suidhe gu foighidinneach a’ feitheamh a’ charbaid. Mu dheireadh, an uair nach mor nach robh i air toirt thairis, faicidh i an carbad a’ tighinn m’ an cuairt an oisinn? A suas chaidh an uinneag ann an tiota, agus a sios chaidh an airneis car ar char air an t-sraid gu h-iosal. Cathraichean, buird, sgathain, poitean, clobhachan ’s gach ni air an ruigeadh lamh, a sios chaidh iad, muin air mhuin, ’n am mirean air a’ chabhsair. Bha seana bhodach a’ dol seachad aig an am, ’s dh’ amhairc e suas dh’ fheuch ciod a bu chiall do ’n fhrois eagalaich, ach bhuail gob a bhuilg-sheididh anns an t-suil e, agus am feadh a bha e ’n a laidhe a’ sporathail thainig ultach de shoithichean creatha ’nuas air a chaol-druim nach mor nach do bhrist a chnaimh-droma. Ruith marsanda a mach as a bhuth air taobh eile na sraide ’s e cumail a suas a lamhan ’s a’ smeideadh ri Peigi sgur d’ an obair sgriosaich, ach fhuair e strabhaileadh de chuinneig anns an smig a chuir car dheth anns an eabar. Leum am ministeir, duine mor, sultmhor, ’s e ’dol seachad, a nall a chur casg air a’ bhristeadh uamhasach, ’n uair thainig gùn drogaid leis a’ chaillich a nuas thar a chinn, ’s ghrad thug e ’chasan as le naire. Fad na h-uine so, agus ann am meadhon na h-aimhreite bha Da’idh Sulair, agus e ’nis air tighinn gu ’mhothachadh, ’n a sheasamh anns a’ charbad a’ glaodhaich airde ’chinn ’s a’ smeideadh ri Peigi a stad; ach shaoil ise gur ann a bha e ri iolach ’s ’g a brosnachadh; chuir i roimhpe nach biodh stob a stigh m’ am biodh uine aig Da’idh air bhi ’nios an staidhir; agus gus an do leum e ’stigh mar dhuine air a’ chuthach ’s an do rug e air chaol da dhuirn oirre, cha do thuig i ciod a bha e a’ ciallachadh. Mu dheireadh dh’ innis e ’n fhirinn bhronach dhi, ’s shuidh iad le cheile a chaoidh an leir-sgrios a thug an goraich a nuas orra. Am feadh a bha iad mar so a’ tuireadh ’s a’ bron an cor bochd, thainig an duine caoimhneil, cneasda sin, Seumas Mor, a stigh ’g am misneachadh. Cha d’ thuirt e idir riutha mar a theireadh cuid a dhaoine, “Nach d’ thuirt mi ribh; cha ghabhadh sibh mo chomhairle.” Cha d’ thuirt e ni d’ a leithid, ach ’n uair a chunnaic e mar bha cuisean, dh’ fhalbh e gun fhacal a radh, chuir e tional beag air chois, agus ann an latha no dha thruis e mu thuaiream da fhichead punnd Sasunnach a chuir Da’idh Sulair gu comhfhurtachail air a chasan a rithisd. Is ann mar so a bu choir do dheadh choimhearsnaich deanamh r’a cheile. Cha do chuir Da’idh Sulair agus Peigi a bhean sgillinn gu brath tuille ann an crannchur.—Mur do shiubhail iad uaith sin tha iad beo fhathast. Eadar le I. B. O. Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige. Is fhearr làn an dùirn de cheaird na làn an dùirn de dh’ or. [TD 26] [Vol. 4. No. 4. p. 2] EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH. (Air a leantuinn.) AN là an déigh a’ bhlàir chual’ e gu’n robh cuid de na daoine buailte fathast beò, a dh’ aindeoin gach leòin agus ana-cothruim a fhuair iad, ’n an sìneadh a muigh air an raon fo ’n uisge throm a thuit feadh na h-oidhche. Chuireadh cuid de ’n arm-dhearg a mach o Inbhernis a chum cur as doibh so; agus ma bha ’n t-òrdugh sgreamhail, chaidh a chur ’an gnìomh air mhodh cho gràineil. Air an là ’m màireach chuireadh cuideachdan a mach air feadh na dùthcha a rannsachadh gach tighe anns an saoileadh iad an gabhadh na daoine leòinte fasgadh. Fhuaradh àireamh mhòr dhiubh; mhortadh iad uile ach fear no dhà a fhuair as le bàighealachd aoin de na h-oifigich. Bha duine measail, nach buineadh do thaobh seach taobh, a chunnaic a dhà-dheug agus trì-fichead air an cur gu bàs mar so air an treas là an déigh a’ bhlàir. Cha robh ’an so ach faoineachd ann an coimeas ri uamhais eile a chuireadh ann an gniomh. Dlùth do ’n bhlàr-chath, bha bothan chaorach far an d’ iarr cuid de na daoine leòinte fasgadh; fhuair an t-arm-dearg a mach iad; dhùin iad an dorus, agus chuir iad r’a theine e; ionnas gu’n do loisgeadh, cha’n e a mhàin na bha dhaoine leòint’ ann, ach mar an ceudna cuid de mhuinntir iochdmhor a thàinig a fhreasdal doibh. An déigh do na h-uile-bhéistean gràineil a rinn so an t-àit’ fhàgail, fhuaras le muinntir na dùthcha dà-fhichead corp anns a’ bhothan thruagh so, ann an cor nach urrainn cainnt a chur ’an céìll. Cha-n ainmich sinn ach aon sgeul eile. Fhuaras naoi Oifigich dheug ann an coille a’ call fala, ghiùlaineadh iad dlùth do thigh Chùil-fhodair, ach cha robh a’ chridhe fasgadh tighe ’thoirt doibh, no idir an creuchdan a cheangal suas. Bha aon fhear-muinntir bochd ’s an tigh mhòr so, a ghabh de mhisnich beagan bìdh a thoirt doibh, ged a bha e’n cunnart dìoladh gu trom air a shon. Fhuaradh iad so a mach air an treas là leis an arm-dhearg, cheangladh iad gu cruaidh teann, thilgeadh iad air muin a chéile ann an cairt; chuireadh a mach iad ri aodann balla àird, ’us mu-m b’ urrainn doibh aon ùrnuigh ghoirid a chur suas, loisgeadh orra le sreath de shaighdeirean a sheas mar uidh dheich troidhean doibh, agus ’an earalas gu-m biodh an deò ann an aon diubh, dh’iarradh air na saighdeirean iad a chur as doibh le èarr an gunnachan. Ach cha-n urrainn duinn an casgradh oillteil so a leantuinn na ’s faide. Bha iomadh tein’-éibhnis ann an Sasunn, agus ann an cuid de dh’ Albainn ’n uair a chualas mar a thachair air monadh Chùil-fhodair. Cha robh urram a b’ urrainn uachdarain na rìoghachd a chur air Diùc Uìlleam nach d’ rinn iad. Shocraich iad dà-fhichead mìle Punnd Sasunnach air ’an comhair na bliadhna fhad ’s a bu bheò e; agus do réir gach cunntas fhuair e na h-uiread mheas air son a’ chuid a b’fhèarr ’fhaotainn de Thèarlach Stiùbhard, agus a fhuair Wellington ainmeil air son buadhachadh an aghaidh an duine urramaich sin a thug oidhirp air an Roinn-Eòrp uile a chur fo dhaorsa. Tha so a’ leigeadh ris an t-eagal a chuir còig mìle Gàidheal air rìoghachd mhòr Bhreatuinn. Am feadh ’s a bha’n t-arm a bhuadhaich a’ sealbhachadh gach molaidh, urraim, agus duais a tha ’n saoghal do ghnàth ullamh air a bhuileachadh orra-san leis an soirbhich, b’éigin do Thèarlach bochd teicheadh, mar am fiadh a leònar, do dh’ uaigneas nam beann, agus do dhubhar na coille, ’g a dhì-fholach féin ’s na bha a làthair d’a dhaoine, o’n fhaghaid choimhich a bha ’nis air an tòir. AM PRIONNS’ AIR ALLABAN. “Tha ar cinn fo’n choille, ’S éigin beanntan ’us gleanntan ’thoirt oirnn; Sinn gun sùgradh gun mhacnus, Gun éisdeachd ri binneas no ceòl; Air bheag bìdh no teine, Air na stùcaibh air an luidheadh an ceò; Mar chomhachaig eile, Ag éisdeachd ri deireas gach lò.” An déigh Blàr Chùil-fhodair a chur, thug a’ mheud de na Gàidheil ’s a thàinig beò as an àrfhaich, orra do na monaidhnean a b’ àirde agus a bu chreagaiche a bha r’a fhaotainn ’s an dùthaich: far an d’fhuair mòran diubh bàs le call fala agus acras. Cha robh a h-aon ’n am measg a dh’fhuiling allaban ’bu truaighe na Tèarlach féin. Ràinig e tigh Ghoirtleig, mu’n anmoch, maille ri beagan chàirdean a lean ris. Ann an so, choinnich e Mac Shimidh na h-Airde, a bha fo uamhas mòr ’n uair a chual’ e mar a chaidh do’n latha. ’An déigh an comhairl’ a chur r’a chéile, cho-aontaich iad nach robh so ’n a àite tèaruinte do’n Phrionnsa fuireach ann, agus gun tàmh a ghabhail, le cridhe goirt, thug e féin ’s a’ bhuidheann bheag a bha maille ris orra gu Inbhergharaidh, Caisteal Mhic ’Ic Alastair. Cha robh ’s an tigh so ’s an àm, ach aon fhear-muinntir, agus bha an tigh gun bhiadh gun èarnais. Luidh am Prionns’ air an oidhche sin ’n a aodach féin air lom an ùrlair. Fhuaradh air an là ’m maireach bradan as a’ Gharaidh a dh’ith iad le mòr chìocras ged nach robh aca leis ach deoch as an tobar. Air an là ’m màireach dh’fhàg iad an t-àite so, agus thug iad Arasaig orra, dlùth do’n àite ’s an d’ thàinig e an toiseach air tìr. Sgap a’ chuid eile de na Gàidheil, agus dh’iarr gach fear tèaruinteachd dha féin, mar a b’ fhèarr a dh’ fhaod e. Dh’ fhan am Prionnsa ceithir làithean ann an Arasaig, a’ feitheamh gus an tigeadh Dòmhnull Mac Leòid as an Eilean Sgiathanach, air an do chuireadh fios gu bhi ’n a fhear-iùil da. Mar bha ’m Prionns’ a mach ’s a’ mhonadh gun duine leis, chunnaic e seann Ghàidheal a’ dlùthachadh air; chaidh Tèarlach ’n a choinneamh agus dh’ fheòraich e dheth am b’esan Dòmhnull Mac Leòid? Is mi, ars’ an Gàidheal. Is mise do Phrionnsa, arsa Tèarlach, is mi a chuir fios ort; tha mi ann an airc, agus tha mi ’g a m’ earbsa féin riut: dean rium mar is àill leat. Air an oidhche sin féin chuir iad fa sgaoil á Loch-nan-uamh ann an ochd ràmhaich fhosgailte; an seann Leòdach air an stiùir, agus am Prionnsa ’n a shuidhe eadar a dhà ghlùn. Bha Dòmhnull eòlach air coslas nan speur; dh’fhosgail uinneagan an athair gu gruamach dorcha, agus thuig e gu-n robh stoirm ’am fagus, ach chuir am Prionnsa roimhe dol air ’aghaidh. Bha aca feòrlan mine, agus poit ’s a’ bhàta, ach cha robh aca aon chuid teine no connadh. Ceart mar a thubhairt Mac Leòid, is gann a chuir iad a mach gu fairge ’n uair a dh’ éirich an doinionn. Shéid a’ ghaoth gu h-uamhasach agus dh’ éirich na tonnan gu ro bhuaireasach; agus bha ’n oidhche cho stoirmeil ’s nach faca Mac Leòid riamh a leithid air a’ [?] sin. A [TD 27] [Vol. 4. No. 4. p. 3] mheudachadh am mì-shealbh, shil an t-uisge orra ’n a thuiltibh anabarrach, agus bha iad gun phìob-thaosgaidh gun chairt-iùil. Bha’n oidhche cho dorcha, ’s nach b’ fhios do aon neach a bh’ air bòrd c’àit’ an robh iad; agus iad fo eagal gu’n caillt’ am bàta, no gu-n rachadh iad gu tìr air an Eilean Sgiathanach, far am biodh e ro chunnartach do’n Phrionnsa dol, a thaobh an airm a bh’anns an Eilean. Fa dheòidh chaidh crìoch air an eagal, shoillsich an latha, agus thuig iad gur ann air còrsa an Eilean Fhada ’bha iad. Chaidh iad air tìr air Rudha Roisinnis, ceann na h-àird-an-ear de dh’ Eilean Beinne-mhaoil; tharruing iad am bàta air tìr, agus rinn iad deas beagan bìdh leis a’ mhin a bh’aca, agus le feòil mairt a ghlac agus a mharbh iad. ’Chum a thuigsinn an cunnart ’s an robh am Prionnsa, is còir ’innseadh gu-n robh £30,000 (deich-mìle-fichead punnd Sasunnach) de dh’ airgiod-cinn air a thairgseadh as, leis an rìoghachd: agus bha saighdearan agus soithichean-cogaidh air an càradh anns gach àite far an saoileadh iad am bitheadh e. B’ i àithne Dhiùc Uilleam do na daoin’ a bh’ air a thòir, gun aon phrìosanach a ghlacadh—“Tha sibh ’g a m’ thuigsinn,” deir esan. Cha-n ’eil e ’n ar comas, mion-chunntas a thoirt air gach losgadh agus creachadh a rinneadh air luchd-leanmhuinn Thèarlaich, agus tha e ma dh’fhaoidte cho iomchuidh gu-n rachadh an dì-chuimhneachadh gu tur; cha mhò a tha e ’n ar comas gach caol thèarnadh a dh’ fhiosraich e féin a chur ’an céill. Tha e duilich a chreidsinn gach cunnart agus gàbhadh as an d’ thàinig e, air ’ais agus air ’adhart, eadar Leòghas agus an t-Eilean Fada, ach cha do chaill e féin air àm sam bith a mhisneach; cha do dhìobair duine riamh e, ris an d’ earb e e féin; agus ged a b’ àrd an t-airgiod-cinn a bha as, agus ged a bu bhochd an sluagh a bha e ’n am measg, cha robh a h-aon diubh leis nach b’fhèarr am bàs ’fhulang na a bhrath. FIONNAGHAL NIC DHOMHNUILL. Flora Macdonald. Agus an uair nach robh dol as aige agus e air a chlaoidh gu goirt, dh’ earb e e féin ri Ainnir uasail, nach faodar ainmeachadh ach leis a’ mheas a’s àirde. B’i sin Fionnaghal Nic Dhòmhnuill; nighean do Fhear Bhaile-mhuilinn ann an Uist a’ chinn-a-deas; bean uasal òg, àillidh, a bha ainmeil r’a linn féin, air son gach beus a bu chliùitiche. Bha oide na mnà uaisle so ’n a cheannard aìr feachd an Rìgh, a thachair a bhi’n Uist air an àm, agus fhuair ise cead sgrìobhta fo a làimh air a son féin, a gille, agus a searbhanta, ’chum an leigeadh thairis do’n Eilean Sgiathanach. B’e ’n gille a thug i leatha Niall Mac Eachainn, neach a b’e seanair an duin’ ainmeil, an t-àrd Cheann-feachd sin, Diùc Tharentum, a choisinn na h-uiread chliu ann an cogadh fo Bhonaparte; agus b’i ’n searbhant a thug i leatha, Prionns’ Tèarlach, ann an éideadh boirionnaich. Dh’fhàg iad Uist ’s an anmoch ann an sgoth bhig; bha’n oidhche dorcha, dòbhaidh; mu ghlasadh an là, fhuair iad iad féin fa chomhair Rudha Bhatarnis ’s an Eilean Sgiathanach, ach mar a bha iad dlùth do thìr chunnaic iad na saighdearan dearga ’feitheamh orra air an tràigh. Bha iad mar urchair gunna dhoibh mu-n d’thug iad an aire; ach cho luath ’s a mhothaich iad an cunnart, thill iad a mach gu fairge. Ghlaodh na saighdearan riu iad a thighinn gu tìr no gu-n loisgeadh iad orra, ach cha do ghabh iad suim d’am bagradh; loisg an t-arm-dearg orra, agus bha na peileirean a’ feadail mu-n cuairt doibh; ach dh’ iomair an sgioba gu tapaidh, agus chaidh iad as a’ chunnart. Thàinig a’ bhean uasal mhisneachail so, agus a luchd-muinntir air tìr aig Mugstat, ionad-còmhnuidh Shir Alastair, Triath Shléite. Bha ’fhios aice gu-n robh Sir Alastair o’n bhaile, agus chuir i fios a dh’ionnsuidh na Baintighearna gu-n robh iad a’ tighinn. Dh’fhàg i ’m Prionnsa fo sgòrr creige, aig a’ chladach, am feadh a ràinig i féin an tigh a dh’fhaotainn naidheachd nan crìoch. B’fhortanach gu-n robh i cho faicilleach, oir fhuair i àireamh de dh’ Oifigich an Rìgh a stigh. Chaidh i ’n an làthair, agus labhair i mar nach biodh iomaguin no cùram oirre. O’n nach b’urrainn Baintighearna Chloinn Dòmhnuill am Prionns’ a thoirt a dh’ ionnsuidh an tighe, chuir i duin’ uasal as an robh i làn earbsach, Fear Chinnseburg far an robh e, leis gach goireas a shaoil i a bha feumail; agus thug an duin’ uasal measail sin leis e ’chum a thighe féin. B’e latha na Sàbaid a bh’ann; agus bha ìoghnadh air muinntir na dùthcha, ’us iad a’ dol dachaidh o’n t-searmoin, ’n uair a chunnaic iad boirionnach cho ro àrd, agus cho neo-sgiobalta ’n a coslas, ag imeachd le Cinnseburg. Chuir e ’n aon oidhche so seachad gu cridheil leis an duin’ uasal shuairce so, a chaidh leis ’s a mhaduinn maille ri Flòra do Phort-rìgh: far an do dhealaich am Prionnsa riu le chéile, a’ gabhaìl a chead diubh le caomhalachd mhòr, agus na deòir a’ ruith o ’shùilibh. O Phort-rìgh rinn e air son Eilein Rathasa, far an do ghabh Mac ’Ille Chalum òg gach cùram dheth. An déigh dha latha n’a dhà a chur seachad ’an sin, thug e air Srath Mhic Ionmhuinn, gun duine leis ach Calum Mac Leòid; am Prionnsa ’n a ghille-màileid aig Calum, a chum ’s nach cuirt’ umhail air. As an t-Srath thug e bàta nunn do dh’ Arasaig, agus chaidh e gu tìr aig Loch-Nibheis, an déigh caol thèarnadh o bhàtaichean a bha làn shaighdearan, ach nach d’thug sùil orra le gairbhead na sìde. Dhealaich Mac Ionmhuinn an t-Sratha ris aig tigh Fir Bhoradail, agus thill e dhachaidh. Cha luaithe a chuir e ’chas air tìr, na chaidh breith air féin agus air a ghillean leis an arm-dhearg. Chaidh fear de na gillean a sgiùrsadh gu goirt a dh’fheuch an aidicheadd e c’àit’ an d’ fhàg iad am Prionnsa; agus mhaoidheadh an ni ceudn’ a dheanamh air Mac Ionmhuinn agus air a’ chuid eile dhiubh; ach bu dìomhain gach bagradh. Chaidh Mac Ionmhuinn an t-Sratha, agus Calum Mac Leòid a ghlacadh agus an cur air bòrd soitheach-cogaidh do Lunnuinn. Ghlacadh mar an ceudna Flòra Nic Dhòmhnuill, agus Fear Chinnseburg, agus chuireadh as an dùthaich ’n am prìosanaich iad. Cha b’ uilear dha leabhar air a shon féin, mu-n cuirteadh ’an céill gach caol dhol as, a bh’aige feadh Arasaig agus Mhùideart, agus an t-ànradh troi ’n d’ thàinig e a’ cur seachad an latha ann an uaimhean fliucha àitidh, gun leaba, gun bhiadh, gun chòmhdach. B’ iad na companaich a bh’ aige air an allaban bhochd so, Fear Ghlinn.aladail agus a bhràthair, mac Fir Bhoradail, agus Camshronach Ghlinne-peighinn: ainmean nach dìchuimhnichear fhad ’s a bhios iomradh air Bliadh- Air leantuinn air taobh 6. [TD 28] [Vol. 4. No. 4. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 3, 1895. Comhairle Ghlic. Chaidh duin’ òg a bha gun obair o chionn ghoirid gu seann duine air an robh e eòlach air son comhairle. “Bha mi,” ars esan, “anns an àite mu dheireadh ’san robh mi ’g obair a’ faotainn deagh thuarasdal. Ma ghabhas mi an dràsda fasdadh an àite anns nach fhaigh mi ach leth no ma dh’ fhaoite treas cuid an tuarasdail a b’ àbhaist dhomh fhaotainn, nach bi mi a’ deanamh tàire orm fhéin, agus a’ leigeadh fhaicinn do fheadhain eile, mar gu’m b’ eadh, nach fhiach mo sheirbheis uiread ’sa b’ fhiach i roimhe so?” “Iain,” ars an seann duine, “b’e mo chomhairle-sa do dhuine sam bith a tha gun obair e ghabhail a cheud obair a thig ’na rathad ach i bhi onarach. Biodh an obair cruaidh no socair, biodh an tuarasdal beag no mor, gabh an obair a gheobh do làmh ri dheanamh, agus dean i le d’ uile dhichioll. Tha thu moran na’s dòcha obair mhath fhaotainn ’nuair a tha thu cheana ’g obair na tha thu ’nuair bhios tu ’n ad thàmh aig an tigh. ’N am latha fhéin, bha mi uair nach fhaighinn obair ach a bhi nam phortair ann an tigh-ceannachd air dolar ’san latha. Ghabh mi an obair sin: an diugh is leam a chuid mhor dhe’n tigh sin ’s dhe na tha ’na bhroinn, agus tha mi a’ riaghladh a ghnothuich gu h-iomlan.” “Ach” arsa ’n duin’ òg, “bha sin o chionn leth-cheud bliadhna. Thainig atharrachadh mor air an t-saoghal uaithe sin.” Fhreagair an seann duine, “An rud a bha fior o chionn leth-cheud bliadhna, tha e fior an diugh. Cha bhuinig duine sion air a bhi ’na thàmh a feitheamh ri obair a’s fhearr na tha ’na thairgse. Gabhadh e a cheud àite gheobh e, agus ma bhios e fhéin ceart, cha’n eagal nach fhaigh e àite ’s fhearr ri ùine. An uair a bhatar a cluinntinn mu Mhanitoba ’san dùthaich so an toiseach, thog dithis Leòdhasach coire orra, agus chaidh iad ann. Cheannaich iad fearann, agus thoisich iad air oibreachadh. Bha iad aon latha ’gearradh coille, agus air do Thormaid craobh a leagadh, thuit i air muin Mhurchaidh. “O, mhic, a mhic!” arsa Murchadh, “nach robh Manitoba farsuinn gu leor agad gus a chraobh sin a leagail, gun thu ’ga leagail dìreach air mo mhuin-sa?” Bha sgioba dhaoihe ag obair air rathad mor ann an cearna de Stàit Virginia, o chionn ghoirid, agus thainig iad air cnàmhan duine anns an talamh agus iad air an cuartachadh le cro iaruinn. Cha’n eil teagamh nach b’ iad cnamhan murtair no meirleich a bha air a chur gu bàs o chionn ceud gu leth, no dh’ fhaoite da cheud bliadhna. Bha iomadh doigh aca ’sna làithean sin air luchd droch-bheirt a pheanasachadh ’sa chur gu bàs nach eil air an cleachdadh idir air an latha ’n diugh. Bha duine ann an carbad-smuid, an latha roimhe, aig an robh lamhan anabarrach geal, ach bha a shròn dearg. Bha seana bhean an lathair, agus dh’ amhairc i tamull beag air a lamhan, agus an sin dh’ fharraid i dheth ciod e a rinn iad cho geal. A nis, shaoil e gu’n deanadh e fala-dha dhi, agus thuirt e, gu’n robh e ’gan goileadh gach madainn fad choig mionaidean. Thuig i na bha ’na inntinn, agus thuirt i gu ciuin “Is mòr am beud nach goileadh thu do shròn an àm ceudna.” Tha lagh aca ann an Norway a’ bacail do dhuine sam bith craobh anns am bi dad a mheudachd a leagadh gun tri craobhan beag a chur faisg air a làraich. Tha ’n lagh so a cumail dhaoine o bhi gearradh na coille ach ’nuair a bhios iad fior fheumach air fiodh. ’Sann ’sa choille a tha moran de shaibhreas na dùthcha sin, agus tha’n lagh so glé fheumail ann a bhi cumail chraobhan òga a’ fàs suas mar a tha na seana chraobhan ’gan gearradh. Mur fàs muinntir na dùthcha so na’s cùramaiche mu’n choille, cha bhi fada gus am feumar lagh éigin mar so a dheanamh air son a dion. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 29] [Vol. 4. No. 4. p. 5] NAIDHEACHDAN. Dhiùlt bearradair (barber) ann am Boston o chionn ghoirid falt duine dubh a ghearradh: chuir an dulne dubh ’san lagh e, agus faodar a pheinisteachadh le cain tri ceeud dolair a chur air no bliadhna priosain a thoirt da. Fhuair sinn taosg soithich de bhuntàta ùr bho Ailein Mac Leoid, a tha fuireach aig an International Pier, air an ochdamh latha deug dhe’n mhios a chaidh seachad. Tha sinn a’ creidsinn gnr h-iad a cheud buntàta ùr thainig dh’ an bhaile am bliadhna. Bha iad ’nan cuapaich mhatha agus glé bhlasda ri ’n itheadh. Chaidh fear Ioseph Miller a mhuinntir Arichat a bhàthadh aig an iasgach air an t-samhradh so. Bha e mach aig na bancaichean air soitheach Geancach, agus air dha fhéin s do dhithis no triùir eile bhi ann am bàta beag, thàinig oiteag ghaoithe a chuir am bata thairis ’s chaidh am bàthadh. Bhuineadh càch do dhùthchannan eile. Tha na tàillearan ann am Brooklyn, N. Y., air sgur a dh’obair, cha’n eil iad fhéin us iadsan a tha ’g am fasdadh a’ còrdadh. Cha’n eil teagamh, mar is tric a thachair, nach eil roinn dhe’n choire taobh air thaobh. Tha mu mhilé duine ’na thàmh co-dhiu, agus tha cdoltas air gu feum muinntir Bhrooklyn deanamh as aonais aodaichean ùra gus an togair na tàillearan a dhol a dh’ obair. Tha ’m bàrr gu bhi gu math na’s fheaar ann am Manitoba agus anns na Stàitean an Iar air an fhoghar so. Ann am Manitoba tha dùil gu’m bi aca mu choig muillein deug buiseal de chruithneachd a bharrachd air na bha ’n uiridh ann, agus anns na Stàitean tha dùil gu’m bi an corn am bliadhna ceud muillein buiseal air toiseach air biiadhna bh’ann riamh roimhe. Tha e mar sin glé choltach gu’m bi am biadh saor air a bliadhna tha romhainn. Chaidh Domhnull A. Mac Néill, duin’ òg a mhuinntir nan Narrows Mhòra, a mharbhadh le sgiorradh aig an International Pier a chei’r-la-deug gus an diugh. Bha e ’g obair air lòdadh guail air feadh na h-oidhche agus air dha bhi coiseachd air mullach na laimhrig, thuit e troimh tholl, agus mu’n d’ rainig e ’n t-uisge bha e marbh. Cha rrbh e aig an obair ach beagan sheachdainean. ’Se fear Mac Leòid a bha ’na fhear-inneil air a charbad-iaruinn a bhuail ’sa charbad eile aig Craig’s Road an Cuibeic air a mhios s’a chaidh. Bha e na dhuine aig an robh cliù a bhi ’n còmhnuidh dileas agus earbsach ’na obair, agus tha e duilich a dheanamh a mach ciamar a leig e ’n carbad ’na ruith air muin n fhir eile, oir cha’n eil e fhéin a nis a làthair gus sin innse, chaidh a mharbhadh còmhla ri mòran eile de’n fheadhain a bha air a charbad mhi-shealbhach sin. Tha cuid a deanamh dheth gu robh e air a bhualadh le pairileis, no dh’ fhaoite leis a bhàs, air an rathad agus nach robh e mar sin air chomas a dhleasanas a dheanamh. Tha na tuathanaich air feadh na dùthcha ag obair gu traug air an fheur, agus cuid dhiubh ullamh dheth. Bra e abuich air son a ghearradh am bliadhna moran na bu tràithe na b’ àbhaist. Tha uisge gu leòr a sileadh an dràsda, agus ged tha e tuilleadh us anmoch air son feum a dheanamh dh’ an fheur, cuidichidh e leis an arbhar ’s leis a bhuntàta. Tha fear Iain Robertson ’na thàillear ann am Montague an Eilean a Phrionnsa, agus tha e ceud bliadhna dh’ aois. Rinn e air an t-samhradh so peiteag us triùbhsair a ghearradh us fhuaigheal dha fhèin. Tha tàillear eile ’sa bhaile cheudna, Alasdair Caimbeal a tha ceithir fichead bliadhna ’sr ceithir a dh’aois. A sheachdain gus an diugh, rugadh nighean òg dha. Tha sinn a’ creidsinn gur gann baile tha ’n Canada aig am bheil da thàillear a dh’ fhaodar a choimeas ris an dithis so. Chaidh an sabhal aig an t-sagart air taobh an iar Loch Ainslie a losgadh gu làr air Dior-daoin, an ochdamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Thòisich an teine ann am barailte anns an robhas a’ cumail luathainn agus bha e cho fad air adhart mu’n d’ thugadh fa-near dha ’s gu ’m b’ ann air éigin a shàbhaileadh an tigh. ’S e sabhal glé mhath a bh’ ann, agus bha luach moran airgid na bhroinn, a rinn an call na bu mhotha. Chaidh muinntir a pharaisde dh’ obair gun dàil air sabhal ùr a thogail, agus cha bhi ’n ùine fada gus am bi e deas. Tha seann bhoirionnach dubh a fuireach ann an Kentucky, do ’n ainm Hannah White. Tha i ceud bliadhna ’sa h ochd deug a dh’aois. Tha i ann an deigh shlàinte, agus a deanamh obair an taighe gach latha cho sùrdail ri té og ’san dùthaich. Tha ceithir deug de chloinn aice, agus sia fichead ’sa ceithir de dh’oighaichean ’s de dh’ iar-oghaichean. Tha am mac a’s òige th’ aice fuireach comhla rithe, ’se na fhior sheann duine. Bha i ’na tràill gus an robh i seachad air ceithir ficheàd, agus chaidh a reic ’sa ceannach air rup ceithir uairean. POSAIDHEAN. Ann an Sidni air 23mh de Iulaidh, leis an Urr. D. Smith, D. D., Seumas Howard, a mhuinntir Shidni, us Sine Bharry, a mhuinntir Arichat. BAIS. Air Beinn nan Sgiathanach, air an treas latha de Iulaidh, Muchadh Mac Leòid, 32 bliadhna dh’ aois. Bha e tinn fad cheithir miosan, agus dh’ fhàg e bean us dithis chloinne. Air Rathad nan Caimbealach, am Baddeck Mhor, air an 22ra latha de Inlaidh Bantrach Thormaid ’Ic Asguill 87 bliadhna dh’ aois. Chaochail a céile o chionn ochd bliadhna fichead, ’se 70 bliadhna dh’ aois. Bha i ’na boirionnach clioiteach, diadhaidh, agus tha i nise air a dhol gu ’duais. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON, THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 30] [Vol. 4. No. 4. p. 6] Air leantninn o Taobh 3, na Thèarlaich ’s a’ Ghàdhealtachd. Thachair gnothuch mu’n àm so, a chuidich gu mòr chum an cunnart ’s na robh an Prionns’ a lughdachadh. Bha òganach eireachdail de mhuinntir Dhun-éideann a bha ’g a fholach ann an Gleann-Moristain, a ruaigeadh leis na saighdearan dearga, agus an uair a thuig e nach robh dol as aige, sheas e gu duineil; thilg na saighdearan air agus thuit e, a’ glaodhaich le àrd mhisnich, “Mharbh sibh ’ur Prionnsa.” Ann an dùil gu-m faigheadh iad an t-airgiod-cinn a bha air a thairgseadh, bha na saighdearan a leag an t-òganach làn gàirdeachais; bhuin iad an ceann deth, agus tha e air a ràdh gu’n do thàrr Diùc Chumberland as leis ’n a charbad do Lunnuinn. Leis a’ so chaidh mòran de na saighdearan a tharruing as an dùthaich, agus cha robh iad cho tìtheach air tòir a’ Phrionnsa. Chaidh Tèarlach do Dhùthaich Mhic Dhòmhnuill-duibh far an do chuir e seachad an ùine air feadh bheanntan fiadhaich na dùthcha sin, le Mac Dhòmhnuill-duibh agus Tighearna Chluainidh, gus an treas-là-deug de mhìos meadhonach an fhogharaidh, ’n uair a fhuair e fios o Fhear Ghlinn aladail gu-n d’ thàinig na soithichean a bha ri e féin agus r’a chàirdean a ghiùlan do’n Fhraing. ’N uair a fhuair e ’n sgeul aoibhneach so, thug e féin agus a chàirdean orra gu grad do Mhùideart. Is furasd’ a smaointeachadh gu-m bu ghoirt a chridhe ’n uair a thàinig e a rìs ’an sealladh an àite sin far an do thog e ceithir mìosa-deug roimhe sin, a bhratach ri crann. Bha e ’s an àm sin ann an àird’ a dhòchais, bha fiughair aige ri rìoghachd a shinnsir; agus cha robh r’a chluinntinn ’s an àite sin ach iolach shòlais o mhoch-thrà gu feasgar, mar a bha na Fineachan treuna Gàidhealach a’ cruinneachadh le pìob ’us bratach mu’n cuairt da. A nis, tha e ’dlùthachadh air an àite cheudna ’n a fhogarach bochd, a cholann air call a dreach, agus ’inntinn fo bhuaireas trom. Bha a luchd-comhaideachd air an claoidh le h-ànradh, air call na bh’ aca de’n t-saoghal, agus an luchd-millidh anns gach àit’ air an toir; a h-uile ni a’ cur ’n a chuimhne gu-n robh gach dòchas agus dùil a dh’ àraich e riamh a nis air am mùchadh gu bràth. AM PRIONNS’ A’ FAGAIL ALBAINN. “Ach ’s fheudar dhomh-sa nis falbh uaibh, A Ghàidheala calma mo ghràidh; Bu mhòr m’ earbs’ as ’ur fòghnadh, Ged a dh’ fhòghnadh dhuinn ’s an àr; ’S iomadh ana-cothrom a choinnich Sinn, ’s a’ choinneamh ’bha gun àgh; Ach gabhaidh mis’ a nis mo chead dibh Uine bheag; ach thig mi tràth,” Ràinig e ’n tràigh, far an do labhair e riu-san a lean e le misnich agus le bàigh mhòir. O shùil gach treun-fhir dhìleis a bha ’làthair, bha na deòir a’ tuiteam gu frasach agus cha robh r’a chluinntinn ach an osna throm. “Pillidh mi fhathast, mo chàirdean dìleas,” deir Tèarlach, “biodh agaibh-sa deadh mhisneach, théid sinn fhathast do’n àrfhaich le chéile; ithidh agus òlaidh sinn ann am pàilliunaibh an Rìgh, agus an sin chithear an spéis a th’ agam-sa do na Gàidheil.” Bha e ’n sin car tamuill ’n a thosd, agus tharruing e osna throm—cha b’urrainn e cumail na b’ fhaide air féin; b’ éigin d’a dheòir tuiteam. Chaidh e féin agus ceud d’a luchd-leanmhuinn air bòrd na luingeis agus chuir iad air ball fa sgaoil. Sheas iad a mach gu fairge, thàinig an soirbheas ’n an déigh: sgaoil iad gach seòl ri crann; chunnacas iad mu thrà feasgair a mach eadar Eilean-nam-Muc ’us Cola; agus mu-n deachaidh a’ ghrian fodha, ghiùlaineadh air falbh an t-aon mu dheireadh de na Stiùbhardaich o ’dhùthaich a shinnsir. Cheannaich duine-uasal araidh beagan slatan aodaich, aon latha, agus thug e leis gu taillear e, agus dh’ iarr e air deise a dheanamh dha. Thomhais an taillear an t-aodach gu curamach, agus thuirt e nach robh gu leòir ann airson deise a dheanamh. Chaidh an duine-uasal gu taillear eile, thomhais esan an t-aodach gu curamach, mar a rinn a’ chiad fear, agus an sin thuirt e gu’n deanadh e an deise. Rinn e sin, agus bha an duine uasal cho toilichte leatha ’s gu’n do chuir e uime air ball i, agus gu’n deach e gu taigh a’ chiad taillear, agus gu’n d’ thubhairt e ris. “Nach tusa an taillear tapaidh, seall ri so, rinn taillear eile deise air mo shon leis an aodach a thuirt thusa nach deanadh an gnothach.” “Tha sin coltach gu leòir” ars an taillear “ach cha-n ’eil mac an duine sin cho mòr ri mo mhac-sa.” Cha dean fear a’ sporain fhalaimh ach beag farum ’san tigh-osna. Domhnull Greusaiche agus na Minisdirean. Bho chionn leth cheud bliadhna bhiodh minisdearan Phicto a tighinn an nall do Bhelfast aig am comanachaidh. ’S e Domhnull Domhnullach, Domhnull Greusaiche, an Eilein Phicto a bhiodh a tighinn leotha. Air aon bhliadhna, nuair a bha iad leitheach rathaid, thubhairt Domhnull riutha, Nach h-eil an t-am agaibh na pioban a tharruinn? Thug a h-uile fear aig an robh phiob am mach i agus thoisich e air smuideadh an tombaca. Bha fear no dha anns a bhata nach dug lamh air piob. Carson, arsa Domhnull riutha seo, nach ’eil sibhse smuideadh cleas chaich. Chan fheil sinne, fhreagair iad, ris a phiob. Chan fheil mi fhein rithe nas mo, arsa Domhnull; ach tha e iomchuidh gum biodh a h-uile duine air fhagail aig saorsa thoile fhein. Bhon tha iadsan ris a phiob gabhadh iad dh’ i, agus gabhaidh sinne an rud a thaitneas ruinn fhein. Thug Domhnull an sin lamh air botal uisge-bheatha a bha aige ann an oisinn. Thug e drama do na daoine aig nach robh piob, agus cha do rinn e dearmad air fhein. Chuir e an sin am botul seachad. IAIN AN RUDHA. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 31] [Vol. 4. No. 4. p. 7] MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEOESA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN &. Co. Mai 4. ’95: S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, Oifig: Os cionn Stor Harrington SIDNI. C. B. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland SIDNI.—C. B [TD 32] [Vol. 4. No. 4. p. 8] CALL GHADHAIG. LE CALUM DUBH MAC-AN-T-SAOIR. (Air a leantuinn.) Nam bu daoin’, a bheireidh dhinn thu, Bhiodh Cluainidh air thoiseach na strithe; Cha b’fhada ’bhiodh t’ eiric gun dioladh, Bhiodh tional air fir na tire, Le caismeachd ard sgal na pioba ’Thoirt t’ aichmheil am mach gu dileas: Mun tilleadh an cat mor ’s a linn bhiodh Fuil air an lon ’s feoil ga sioladh. ’S cruaidh an sgeul a dh’fheumar fhulang Mu ’n fhear threun bu slar ghlan buille; Leann dubh air a chloinn a dh’ fhuirich, Tharruinn am bas lamh o’n uilinn, ’S leag e ’m flur ’s an grainne mullich; Dh’ fhag sud do bhraithrean gun fhuras, Mar Oisein ’bha ’ghnath ri tuireadh ’N deidh na Feinne, dall air tulich. Oid’ agus athir an fheumich, Dh’ fhuasgleadh air airich ’s air eignich! Nam b’ urrinn mi dheaninn leich dhuit Ghleidhinn cuach-iocshlaint’ na Feinn’ dhuit, ’Thug Fionn Mac-Cumhil a Eirinn; ’S thoginn a rithisd o’n eug thu, ’S maithean ag ol do dheoch-reite Gu mu slan a thig e dhachidh, Oighr’ Iain oig Mhic-a-Phearsain, An Caiptin ’tha ’n arm Chlann-Ailpein; Ma bheir e an dualchas o ’athair, Eighear am mach air thus feachd e. ’S bidh muirn ann an duthich nam badan, Cinnidh fiar aig miad an dealta, ’N deidh dorcha na h-oidhch’ thig maduinn. Sheid gaoth is sneachd as na speuran ’Chuir an taigh-claich’ as a cheile, ’S a chuir a choignear ’nan eiginn, Naidheachd a’s bronach ri h’-eisdeachd Bhur faotuinn ’n ur laighe fo chreuchdibh, Gun chomas labhirt no sgeula; Ar dochas gun d’ fhuair sibh reite Air sgath na fal’ a chaidh ’cheusadh. ORAN GAOIL. Air Anna Buchanan, le Mr. Seumas Mac Griogair, s a bhladhna 1785. FONN—“Mairi bhan Og.” Gur mise bheir gràdh gu bràth do ’n chailin A dh’ fhàg mi’ sealan a’ m’ dhéidh; Tha aice os chàch gach àgh ’s gach barrachd ’Mar àilte gealaich measg reul. ’S i séamh-osag fhann an t-sàmhraidh chaoimhneil ’Bheir gleann is coille fo bhlàth, ’S le dui-neoil a gheamhraidh ’s ànnradh gaillinn Cha ’n annsa fanail r’a sgà. Tha t’ aghaidh, le fàilt, mar fhàir na maidne; Mar dhealra deàrrsaidh na gréin’; Gu bheil thu gu nàrach, màlta, caoimhneil; Gur àluinn, banail do bheus. Thàinig gathan o d’ shùilibh dù-ghorm, flathail A dhùisg dhomh farum mo chléibh, ’Nuair theannainn riut dlù bu chùbhraidh; t’ anail Na ùbhlan abaich air gheig. Gruaidh dhearg mar an ròs, is pògan meala Cùl òr-bhuidh, maiseach nan teud; Beul meachair, ’s a cheòl mar smeòraich coille; Geal, bòidheach, daingeann do dheud; Do bhràighe glan caomh mar mhaothan eala Air caolas mara a’ snàmh; Cneas gràdhach, séimh, caoin; is gàirdean canach; Meòir chaol’, bas gheal, is min làmh. Calba cruinn, lùthar, ùr-gheal daingeann; Gur ciùine, farasd do cheum, Troig chuimir a shiùbhlas dlù air choiseachd; Cha lùb do chasan am feur. Do chumadh o’d’ bhàrr gu d’ shàil, gun chron air, Ach sàr-dheas, cothromach, grinn; Gu meal thu do shlàint’ le àgh ’s le onair, Le d’ ghrádh ge d’ robh mi gu tinn. ’S leat inntinn nam buadh ’dh’fhàs uasal, ceanalt’ ’S gach buaidh tha ceangailt ri mnaoi; Ge mòr ’tha de dh’ uaisl’ ’m fuil sluaigh do shloinne, Cha truaill thu boinne dh’ i chaoidh. Do ghliocas gun bheud; do chéill gun mhearachd; Is ré do t’ aithne gach gniomh; Do thuigse co gheur; do reusan barraicht’, Gun éis, gun char ann, gun ghiamh. ’S beag tùirse no gruaim ’tha ’n gruaidh na h-ainnir: Is fuath leat sgainneal is beum; Is coma leat tuaileas shuas an domhain, Gach uabhar dona, ’s gach beud. Cha’n ’eil thu ’ad ghaoithein aotrom caileig; Ciall aosd’ tha agad le d’ òig; Gu h-iriosal, aoidheil, faoilidh, farasd; Gu gaolach, carthannach, còir. Gu bheil thu gu cràbhach, gràdhach, cridheil; Gu bàigheal cinneadail, caoin; Gur fialaidh de làmh, gur blà do chridhe, Gur pàirteach bhitheadh mu d’ mhaoin. Gun seasadh tu riabh gu fior le d’ charaid, Rud crion cha’n abair, ’s cha dean; Gu piseachail, crionta, gniomhach, rathail; Neo-dhiolt do mhath chur am miad. Gu bheil thu gu teom air fòghlum banail; Gu h-òrdail, ealamh, le snà’id; Gu’n dealbhadh tu còrr na h-eòin ’s na crannaibh Le seòltachd ainneimh do làmh. Cha danig riabh ceann air tionnsgna innealt Nach ionnsaich ise ri luaths; Gu’n tàirneadh do làmhan peann le grinneas; ’An cainntean thigeadh leat buaidh. Cha’n ’eil, ’ann mo leursainn, té air thalamh Is beusaich’, glaine na thu; Cha d’ fhàs i fo ’n ghréin a’ gheug, no ’n gallan Do ’n géilleadh caileag mo rùin; ’S tu féin an lùb àluinn; dh’ fhàs thu tlachdmhor, ’S tu ’n t-àbhal gasd’ anns a’ choill, ’S tu ’n ròs anns a’ ghàradh, dh ’fhas thu maiseach; ’S tu ’m blàthan, paisgte le sgoinn. ’S tu éiteag nan càrn, ’s iad càch na clachan; ’S tur sàr-leug thaitneach nam buadh: ’S tu fhéin ’n eala bhàn, ’s iad càch na lachaibh; ’S tu sgàthan maiseach gach uaill’; ’S tu ’n cruinneachd glan ùr, ’s leat cliù na chinneas; ’S tu ’n drùchd a shileas gu caoin: ’S tu ’n gallan a lùb fo ù bhlaibh milis, Is tu na shirinn ri m’ shaogh’l. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. [TD 33] [Vol. 4. No. 5. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 10, 1895. No. 5. NA REULTAN. Tha réultaireachd ’na h-eòlas a ta air gach seòl òirdhearc agus iomchuidh. Is iongantach a’ chìnnteachd, agus an eagnuidheachd leis am bheil reulta nèimh a’ gluafad ann an gorm-astar nan speur! Trìd ìnnleachd agus foghluim, innsidh na teallsanaich, roimh làimh, gach caochladh a thig air solusaibh nèimh! Innsidh iad gu pongail mu dhùbhradh na gréine agus na gealaich, ìnnsidh iad c’uin a thig gach dùbhradh dhiubh so—cia cho mòr ’sa bhios iad—agus cia fada ’s a mhaireas iad! Trid an eòlais so, tha daoine fòghluimte a’ faotuinn a mach caochlaidh soluis na gealaich,—riaghailtean nan seòl-mara,—cumadh agus meud na talmhainn,—agus suidheachadh agus farsuingeachd dhùchanna agus rioghachdan an domhain! Trid an eòlais so, mar an ceudna, tha bliadhnaichean air an tomhas, agus teachd gach tràth’ agus aimsir air a chomharrachadh a mach? Trid an eòlais so, tha seòladairean a’ faotuinn a mach nan àitean anns an bheil iad air na cuantaibh mòra agus farsuing, agus a’ stiùradh an slighean gu tèaruinte do dhùchannaibh an céin! Mu dh’ amhairceas neach, air oidhche chiùin, reòta, gheamhraidh, chì e mu mhile rionnag an crochadh mar lòchranaibh drilinneach os a cheann—chì e iad do gach meud, agus soilleireachd—cuid diubh beag agus fann, agus cuid eile diubh mòr, agus a’ deàrlrachadh le solus soilleir agus seasmhach! Ach ged nach fhaicear ach mu mhile dhiubh so leis an t-sùil luim, chithear le gloineachaibh ìnnleachdach a fhuaradh a mach, mu’n cuairt de cheud mìle, uile còmhlath! Agus cha’n ’eil an àireamh mhòr so an coimeas ris an àireamh a ta air an sgaoileadh air feadh farsuingeachd na cruitheachd, ach mar eitean gaineimh air tràigh na fairge! Tha cuid diubh anabarrach mòr—fichead, leith-cheud, mìle uair mi’s mò na’n talamh air am bheil sinn’ a’ gluasad, agus is gann a gheibhear aon nam measg cho beag ris! Goirear le teallsanaich rionnagan suidhichte dheth gach solus a chithear anns na nèamhaibh, ach cha’n abrar so ris a’ ghréin agus ris a’ ghealaich againne, no ri aireamh bheag de reultaibh agus de ghealachaibh eile, agus de rionnagaibh earbullach, a ta cuairteachadh na gréine. Tha na rionnagan suidhichte aig astar uamhasach, agus do-thuigsinn air falbh uainne;—agus an uair a smuainicheas sinn air am meud, an àireamh, an nàdur, agus an astar—cha chomas dhuinn, an sin, gun smuaineachadh air cumhachd an Ti uile-ghlòrmhoir sin “a sgeadaich na nèamha le a Spiorad.” Chum beachd a thoirt air astar nan rionnag so air falbh, ghabhadh am peileir a’s luaith’ a chaidh riamh a mach á beul gunna, ged a dh’ fhanadh e ’na dheannaibh, còrr agus muillean bliadhna, mu’n ruigeadh e cuid dhiubh! Nach ceart a dh’fheudas daoine a’ cheist a chur, Co a rinn na nithe mora, maiseach, agus miorbhuileach so? Co, ach an Dia sin, “arinn an talamh le ’chumhachd,—a shocruich an saoghal le ’ghlìocas,—agus le ’thuisge a sgaoil a mach na nèamha.” Tha na reulta so uile air an suidheachadh, mar gu’m b’ann, ’nan teaghlaich air leth, air feadh farsuingeachd na cruitheachd! Tha àireamh shonruichte dhiubh, aig am bheil grian doibh féin, m’a timchioll am bheil iad a’ siubhal, ann an cuairtibh eug-samhla; agus o’m bheil iad a’ faotainn soluis agus teas! Tha àireamh nan grian, ’s nan reull, a ta ’gan cuairteachadh air an dòigh so, cho mòr, a’s nach urrainn teallsanaich le’n uil’ ìnnleachdaibh, a bheag sam bith a dheanamh a mach gu cinnteach mu’n timchioll! Cosmhuil ris gach grian eile, tha a’ ghrian againne ’ga nochdadh fein anns na speuraibh, air a cuairteachadh le a reultaibh fein, ris am bheil i a’ comh-pairteachadh araon soluis agus teas! Air di a bhi fagus do làimh, an coimeas ri grianaibh eile na cruitheachd, tha sinn ’ga faicinn mòr, cruinn, agus dealrach; am feadh ’sa chi sinn na grianan eile, mar rionnagaibh beaga, drilinneach, a thaobh am mòr-astar air falbh! Ged nach d’ fhuair daoine foghluimte a bheag a mach mu thimchioll nan rionnag suidhichte, agus nan grian do-àireamh, a ta air an suidheachadh mar sheudaibh boillsgeach, anns na speuraibh os ar ceann; gidheadh, fhuair iad a mach mòran de nithibh air mhodh cinnteach, mu thimchioll na gréin’ againn fein, agus an teaghlaich bhig de na reultaibh, a ta ’g iadhadh gu siùbhlach, tosdach, mu’n cuairt di! Fhuaradh a mach gu’m bheil ochd mhòr agus ceithir bheaga de reultaibh seacharanach, a’ siubhal timchioll na gréine, ann an cuairtibh air leth, agus gu’m bheil gealaichean aig coig de na reultaibh so, a ta ’gan cuairteachadh, ceart mar a tha iad fein a’ cuairteachadh na gréine! Tha gach aon de na cearcallaibh mora so, anns am bheil na reultan a’ siubhal, aig caochladh astair air falbh o’n ghréin; uime sin, tha a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon a teaghlaich, “Cruinn mar lan sgiath chruaidh nan triath,” far am bheil i a’ tilgeadh a mach a gathanna-soluis air gach aon fa leth d’a reultaibh, agus ’gan ath-nuadhachadh gach là le maise, agus soilleireachd! Tha na reultan air an ainmeachadh mar a leanas, agus anns an òrdugh anns am bheil iad aig astar o’n ghréin: MERCURI, BHENUS, AN TALAMH, MARS, (BHESTA, IUNO, CERES, PALLAS) IUPITER, SATURN, URANUS, agus NEPTUNE. SGIATHANACH. Chaochail bean an Urr. T. Dewitt Talmage ann an New York toiseach na seachdain so. Bha i air a tiodhlacadh Di-ciaduin. [TD 34] [Vol. 4. No. 5. p. 2] THOGAINN FONN AIR LORG AN FHEIDH. [Tha so air a thoirt as a Chuairteir, agus tha sinn ’ga chlò-bhualadh ’sa MHAC-TALLA air iarrtus aon d’ar luchd-leughaidh. Cha’n eil cinnt air cò a sgriobh an eachdraidh so air sealg an fhéidh, ach ’si bharail choitchionn a measg sgoilearan Gàilig gu’n d’ thàinig i o pheann an Urr. Tormaid Mac Leoid. D. D.] A’ CHEUD EARRANN. A Chuairteir Rùnaich, FHUAIR mi ’ur litir, agus bha sodan air mo chridhe ’n uair thuig mi nach do dhì-chuimhnich sibh Ailean-na-Beinne. ’S minic a ghiùlain mi sibh air mo ghuaillibh, ’s a dh’innis mi dhuibh sgeul mu Thìr nam Beann. Tha mi ’nis aosmhor, os ceann ceithir fichead bliadhna; ach tha mo thùr ’s mo thoinisg agam, mo chiall ’s mo mheomhair mar a bha iad riamh; tha da rireadh a’ cholunn air fàs breòite, ach tha ’n inntinn beothail, togarrach agus ait. Cha dìrich mi bruthach ’s cha siubhail mi mòinteach, tha mo cheum goirid, agus is beag a bheir an anail do’n uchd; ach tha mo chridhe fhathast ’s a’ bheinn, agus aisling na h-oidhche ’am measg nan stùcan arda—duisgidh an smior a’m’ chnàmhan aosmhor ’n uair a chluinneas mi “tailmrich dhos, ’us chon, ’us shreang.” ’S minic, ’n uair shuidheas mi ri gréin trà nòin, fo dhubhar a’ bharraich, no a’m shìneadh air na neònainean aillidh, ’thig cuimhne nan làithean a dh’ fhalbh mar aisling na h-òige air m’ anam. “’N sin chì mi ar leam an gadhar A leanadh mi anmoch ’us moch; ’S na sléibh ’bu mhiann leam ’bhi ’taghal, ’S na creagan a fhreagradh do’n dos.” Bha mi fhéin còrr agus dà fhichead bliadhn’ a’ m’ fhorsair aig Mac-ic-Alastair, agus bha m’ athair, agus ’athair-san ’n am forsairean maraon, air chor ’s gur dùth dhomh seòrsa de dh’ eòlas a bhi agam air eachdraidh nam fiadh agus faoghaid nam beann. Feuchaidh mi na ceistean a chuir sibh orm ’n ’ur litir a fhreagairt mar is fèarr is urrainn mi. A thaobh na h-aois’ a ruigeas cuid a dh’fhéidh ’s duilich labhairt gu poncail. ’S i mo bharail fhéin o’n a chuala mi o dhaoine fiosrach mu dhéidhinn so, agus o Mhac-’ic-Alastair fhéin, a tha eòlach air eachdraidh nam anns gach cèarna de’n t-saoghal, gu-m bheil cuid diubh a’ ruigheachd aois mhòr. Tha làn dearbhadh againn gu-n robh cuid diubh ann an frìth Ghlinne-garadh, a bha ceithir fichead bliadhna, agus os a cheann; agus tha daoine eòlach ag ràdh gu-n ruig iad sè fichead no seachd fichead bliadhna! Anns a’ bhliadhna 1826, bha Mac-’ic-Alastair le Moraire Dhùn-mhòir a’ sealg air Tòrr-na-corra, agus ghrad leum damh mòr, cròcach a mach as a’ choille. Loisg Mac-’ic-Alastair air, agus thuit e. ’N uair a ràinig iad e fhuaradh comharra-cluais’ àraidh air. “Thig an so,” arsa Gleanna-garadh ris an fhorsair, “agus innis domh ciod an comharradh cluaise ’th’ air an damh so.’ “S e,” ars’ am forsair, “comharra’-cluaise Eòghain-mhic-Iain-Oig. B’e Eòghan-mac-Iain-Oig forsair ainmeil a chaochail ceud gu leth bliadhna roi ’n àm sin. Tha cabair an fhéidh so air an gleidheadh ann an teaghlach Mhic-’ic-Alastair gu ruig an latha’n diugh. Tha iomadh eachdraidh eile de ’n t-seòrsa cheudna againn ’s cha ’n eil teagamh nach cuala sibh fhéin na sean-fhocail Ghàelic do thaobh so, mu aois an fhéidh:— Trì aois coin, aois eich; Trì aois eich, aois duine, Trì aois duine, aois féidh, Trì aois féidh, aois fìrein; Trì aois fìrein, aois craoibh-dharaich. Sin agaibh-se barail nan daoine ’dh’ fhalbh, agus cha bhreugaichear an sean-fhocal. Tha fios cinnteach gu-n robh aon agh geal ann am fàsach Lochtréig fad chuimhne thrì linntean. Bha uile shealgairean na dùthcha eòlach oirre. Bha i cho geal ris an t-sneachda, ach cho furachail, sheòlta ’s nach d’ fhuaradh riamh urchair oirre; agus tha eachdraidh air damh a’ Mhonaidh-léith ’am Bàideanach air an do loisgeadh leis na sealgairean a b’ fhearr cuimse ’chaidh do’n bheinn, fichead agus fichead uair, agus dh’ fhairtlich orra fuil a tharruing as. Fad leth-cheud bliadhna bha muinntir na dùthcha sin eòlach air; agus ’s iomadh duine tapaidh a chaill cadal na h-oidhche agus craicionn nan cas air a thòir, gus mu dheireadh an do leònadh e le duin’ uasal a Chlann Dòmhnuill; thuit e, ach coma cò dhiubh, dh’ éirich e, agus thàr e as. Deich-bliadhna-fichead ’na dhéigh sin, mharbhadh a’ cheart damh so bràighe Bhàideanach, agus fhuaradh am peileir a chuireadh ann leis an Dòmhnullach deich-bliadhna-fichead roimhe sin ’n a ghualainn! Cha b’ urrainn do dhamh mòr a’ Mhonaidh-léith ’bhi fo sheachd fichead bliadhna dh’aois. B’e an damh a bu truime ’chunnaic mi riamh air a mharbhadh aon a thuit fo làimh Mhic-’ic-Alastair fhéin, a bha deich-clacha-fichead—ach ’s fiadh maith a thig os ceann sè-clacha-deug. Tha sibh a’ feòraich mu na coin a b’ àbhaist a bhi aca ri linn m’ òige, a ruagadh nam fiadh, mìolchoin air neo gadhair, oir b’e ’n t-aon seòrs’ iad? Bha na mìol-choin ann ri linn Fhinn Mhic Cumhail, mar thubhairt Oisein:— “Chluinnteadh fuaim nan arm ’s gach ceum, Meaghail mhìol-chon ’s cleasachd àrd.” Tha na coin, no na gadhair-fhiadh so mòr, làidir, anabarrach luath, misneachail. Cha-n ’eil an seòrsa so ’nis furasd’ fhaotainn—ach b’ eireachdail iad ri amharc orra:— “Sud mar thaghadh Fionn a chù, Sùil mar àirneig, cluas mar dhuilleig, Uchd mar ghearran, speir mar chorran, ’S an t-alt-luthaidh fad’ o’n cheann.’” Tha fios cinnteach againn gu-m b’ àbhaist doibh le gadhair làidir na féidh a shealg o shean, gun bhogha-saighead no idir acfhuinn theine.—Tha sibh fhéin, a Chuairteir, na’s eòlaiche na mise air eachdraidh na rìoghachd, anns am bheil sinn a’ leughadh gu-n deachaidh Bàn-righ Ealasaid a mach a shealg ’s a’ bhliadhna 1595, ann am frìth fharsuing shuas ’an Sasunn, le mìol-choin, agus gu-n do mharbh iad sè-daimh-dheug, gun saighead, gun urchair. Cha-n ’eil seòrsa madaidh idir ann a’s misneachaile na mìol-chu an fhéidh, de ’n t-seòrsa cheart. Tha ’n seòrsa so ’nis duilich fhaotainn; tha còrr fhear, tha iad ag ràdh, ann an Eirinn agus ’an Sasunn; agus theagamh gu-n bheil air an àm mu thuaiream deich no dusan diubh ann an Albainn. ’S docha gu-m bheil an seorsa ’s fìrinniche ’s a’s féarr dhiubh so a nis r’a fhaotainn ann an Oronsa aig Caiptin Mac-Nèill, oighre og Cholonsa, agus tighearna Ghiogha. ’S e ’s ainmean dhoibh sin Busgar [TD 35] [Vol. 4. No. 5. p. 3] agus Bran, da mhìol chu gun coimeas’s an rioghachd. Cha-n ’eil ’fhios ’am an cuala sibh riamh sgeul a tha air aithris mu dhéidhinn an dà mhadaidh thréin so. “Mu latha Lunasdail, ’s a’ bhliadhna 1835, chaidh uaislean og’ o Cholonsa do cheann-uachdrach Dhiùra, a shealg fhiadh. Bha iad ann seisear shealgairean, sgioba bàta, Donnachadh Mac-Carmaig, am pìobaire, agus Fionnladh mor, am forsair. Ràinig iad Diùra ’s an anmoch, air feasgar àillidh; dhìrich iad a suas uchd na beinne, agus aig bun cas-chreige àird, bha dorus uamha mhòir, dhomhain, far an deach’ iad a stigh a chur seachad na h-oidhche fo fhasgadh. Las iad gealbhan cridheal de chonnadh tioram—sgaoil iad raineach ’us luachair, ’s am fraoch badanach, donn air an do shuidh iad fhad ’s a bha lòn an anmoich ’g a dheasachadh. Thog am pìobaire suas port, agus fheagair mac-talla o mhìle creag. Gu ìoh-sal aig an tràigh bha a bhìrlinn leis an sgioba, an cuan mòr a’ sgaoileadh a mach uapa, fèath nan eun air, agus gidheadh chluinnteadh an onfha’ throm. Bha a’ chorra-ghriobhach agus an guilbneach a’ sgriachail o chreig gu creig—chluinnteadh geum nam bò shìos air an t-srath—bùirich nan tarbh—fead a’ bhuachaille; agus gu h-àrd ’s a’ chreachann, langan an fhéidh. Chaidh na sealgairean gu tàmh, ’an déigh doibh an lòn itheadh, a dheasaicheadh dhoibh leatha-se nach do leig le sgioba-bàta Colonsa ’fhàgail riamh gun an cliabh làn. Chaidh an t-slige-chreachainn mu’n cuairt—chluich Donnachadh Mac-Carmaig cuairt an anmoich—thilg gach aon e fhéin air an fhraoch ’n a bhreacan, agus bha iad ’n an suain—mar ’bha am fiadh cabrach donn mar an ceudna ’n a leabaidh luachrach, gun fhios gu-n robh Bran agus Busgar cho dlùth. Fada mu-n d’ éirich a’ ghrian air Beinn-an-Oir, bha Donnachadh pìobaire aig beul na h-uamha; thog e caismeachd Chlann-Nèill, ’s bha ’h-uile h-aon air bonn. Thug cuid an tràigh orra gu snàmh—thug cuid am fuaran orra gus iad fhéin a nigheadh ann an uisge glan nam beann—thòisich càch air an lòn-maidne ’sgaoileadh a mach, ’s cha robh sinn fada ’g a ghabhail. Thugadh a mach na gadhair, a bha air lothainn; ach cha bhlaiseadh iad greim ged nach d’ith iad a bheag o mhaduinn an latha ’chaidh seachad, cho togarrach eusgaidh ’s a bha iad air an t-seilg, agus fios maith aca c’ àit’ an robh iad a’ dol. “Thog a’ chuideachd orra ’n àird ri uchd na beinne—bha ’mhaduinn àillidh—a’ ghrian ag éiridh gu dearg, glòrmhor ’s an àird’-an-ear—an ceò ag éiridh air an leacainn—mullach nam beann fhathast a’ tàmh anns na neòil—an fheadag a’ feadaireachd o thom gu tom, agus an coileach fraoich a’ gogail le h-iongantas cò iad na coigrich a bha cho tràth air an raon. “Ràinig iad guala àrd, o’n robh sealladh farsuing air a’ choire gu h-iosal—dhlùthaich iad gu fòil, athaiseach air creig—ghabh iad a’ ghloin’-amhairc, ach cha robh fiadh ’s an t-sealladh. Thionndaidh iad gu àit’ eile, a’ leantuinn Fhionnlaidh mar ’thogair e an treòrachadh. Bha esan ag imeachd rompa—cha robh diog air a labhairt. Mu dheireadh stad Fionnladh—smèid e orra stad far an robh iad—leig e e fhéin air a bheul ’s air a shròin air an raon, ag iadhadh mu thimchioll uchdaich a bha roimhe air mhàgaran, air a làmhan ’s a chasan, gun ad gun bhoineid. Tharruing e air ’ais agus smèid e orra—lean iad e gu h-athaiseach, faicilleach, eadar seasamh agus falbh air mhàgaran; chunnaic Fionnladh cròc eadar e ’s fàire, ach cha robh sùil ann a thog e ach a shùil fhéin. Dh’ amhairc na h-uaislean leis a’ ghloine mar a a dh’ iarr e orra, ’s iad ’n an sìneadh air an làr, agus mu dheireadh mhothaich iad damh mòr, cabrach, donn ’n a luidhe air tolman rainich, agus a chròicean àrd a suas, e ’cnàmh a chìre ’s ag amharc mu-n cuairt da le sùil fhurachail. Theirinn na sealgairean gu aigeal a’ ghlinne, air slighe air an robh iad air an cleth o’n fhiadh—lean iad Fionnladh o àite gu h-áite—troimh amar aibhne, troimh mhòintich, troimh fhéithean agus bhoglaichean—a’ seasamh, air uairibh, ’s a’ màgaran air uairibh eile, gun smid á beul. Ràinig iad àite far an d’ iarr Fionnladh orra stad. Chaidh e fhéin air aghart gu furachail—luidh e air an fhraoch, agus shlaod e e fhéin air aghart mar gu-m biodh e ’tolladh a stigh ann an àite cumhann, aimhleathan—leag e ’smig air an làr, cùl a chinn r’a dhruim, ’s a shròn gu h-àrd ’s an t-soirbheas, smeid e orra dlùthachadh. Cha b’ e ’nis an fheala-dhà Bran ’us Busgar a chumail air lothainn—cha b’ i ’h-uile h-iall a chumadh lad. Ràinig iad an t-àite.—‘Fuasglaibh na coin,’ arsa Fionnladh, s’ e ’g éiridh. Ghrad chunnaic sinn am fiadh, bha e ’deanamh a chas, sheas e mu thrì fichead ceum o ’n àite ’n robh iad, agus dhlùth-bheachdaich e orra ’n clàr an aodainn, ach ghrad thionndaidh e uapa agus thàr e as. Leig iad Bran ’us Busgar ’n a dhéigh, thog iad iolach bhrosnachaidh, agus shìn iad air? A mhic chridhe, ’s ann an sin a bha ’n sealladh—a chròcan cabrach air a dhruim, a chuinnean fosgailte ri speur, ’s e ’cur nan con gu dùlan. Dhìrich na sealgairean an cnoc a b’ àirde a dh’ fhaotainn seallaidh air an fhaoghaid. Thug am fiadh air chum na beinne, ach cha deanadh sin feum; phill e gu leathad, o choire gu coire, o ghleann gu gleann, suas Bealach-nan-agh, a stigh troi’n Airidh-ghlais, a mach gu Sgàirnich-na-gaoithe. Sud iad sìos a rithist gu ìochdar a’ Ghlinn-mhòir, ’s a nunn gu taobh a’ cheirt chnoic air an robh na sealgairean ’n an seasamh. Thogadh a rithist iolach àrd a bhrosnachadh nan con! Bha iad a nis dlùth air a shàil. Ghabh e gu Creag-nan-gabhar far an do sheas e tamull—bha sgàirneach chreagach fodha, ach cha robh àm stad—sìos ghabh e air a mhàsan—clachan ’us gainmheach a’ tùirleadh gu fuaimneach ’n a dhéigh. Ràinig e ’n còmhnard—ach ma ràinig bha na deadh choin dlùth—Bran ’us Busgar cùl a shàlach. Ach faic! tha grabadh air tighinn air—tha Bran an sàs, crochta r’a shliasaid—tha e ’g a shlaodadh ’n a dhéigh. Ach cò sud eile? An cù gleusta, Busgar—thug e dui-leum seachad air Bran, agus tha e ann am broilleach an fhéidh, le greim bàis aig’ air gu gramail, teann ’n a sgòrnan. Bha ’nis an dà ghadhar crochta ris, ach shlaod e leis iad! Bu shoilleir cò dhiubh gu-n robh e ’fàilneachadh—thuislich e—ach ghrad dh’éirich e ’rithist, a’ gearradh leum le langan gearanach.—Fa dheòidh thuit e, car mar char ’s cha d’ éirich e, ’s an dà mhìol-chu threun air ’uachdar. (Ri leantuinn.) Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd. Is math an latha ’ni a’ madadh-ruadh searmoin. Is math an t-each a thoilicheas am marcaiche. Ceardach dùthcha, muileann sgireachd, us tigh-osda, na tri àiteachan a’s fhearr air son naigheachd. [TD 36] [Vol. 4. No. 5. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan. .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 10. 1895. Tha gunna aca air ùr-dheanamh a ghabhas giulan le aon saighdear, agus a loisgeas sia ceud urchair ’sa mhionaid, rathad sam bith an tograr. Tha daoine glice ’deanamh mach gu ’n cuir na gunnaichean so crioch air cogadh gu buileach, oir bi’dh duine théid a chogadh cho cinnteach as a mharbhadh ’s gu fuirich iad uile aig an tigh. Cha ’n eil na Frangaich a’ faighinn air adhart ann am Madagasgar mar bu mhath leotha idir. Tha ’n t-side anabarrach mi-fhabharrach dhaibh; ’s gann gur h-urrainn duine geal seasamh rithe idir. A bharrachd air sin tha na nàisinnich a’ deanamh an uile dhichioll air na coigrich a chumail a mach, agus tha iad gu math làidir ’nan dùthaich fhéin. Tha ’n aimhreit ann an Cuba a’ dol air adhart gun lasachadh. Cluinnear an dràsda ’sa rithist sgeul air an obair a th’ ann, agus tha e glé dhoirbh a dheanamh mach co ’n taobh leis am bheil an t-strith a dol. ’N uair a thig an sgeul troimh bheul nan Spàinnteach ’s ann leotha fhein a tha h-uile blàr a dol, ’s cha’n eil a dhith orra ach beagan ùine gus teine na ceannairc a smàladh as gu buileach. ’N uair a chluinnear o luchd na ceannaic, ’s iadsan a tha buadhachadh, agus tha iad an làn dhùil riaghladh an eilein a bhi aca ’nan lamhan féin an uine glé ghoirid. Cha’n eil e mar sin soirbh do dhuine sam bith barail cheart a bhi aige air cia mar tha dol dhaibh, oir cha’n eil na tha taobh seach taobh a gealltuinn, a tigh’n gu crich. Ach tha ioma duine tuigseach a tha gabhail beachd air a chogadh o’n thòisich e, dhe’n bharail gu’m bi na ceannaircich buadhach air a cheann mu dheireadh. Is eilean mor, briagha, torrach, Cuba, agus ged tha e aig na Spàinntich riamh o’n fhuaireadh a mach e, cha d’rinn iad feum coir dheth; cha robh iad ach ’ga spùilleadh ’s ga chreachadh, a’ tarruinn as na b’urrainn daibh de dh’ airgead ’s de bheairteas eile, gun ghuth a thoirt air cor no air coir an luchd-àitichidh. Dh’ aobharaich so iomadh ceannairc; ’s mor na chaidh de dh’ fhuil a dhortadh o’n thainig an linn so, na h-eileanaich a’ feuchainn ri cuing na Spàinnte thilgeadh dhiubh, agus na Spàinntich air son a chuing a theannachadh. Anns a h-uile ceannairc a rinn iad roimhe so bha na h-eileanaich air an cisneachadh, co dhiubh tha no nach eil an ni ceudna ri tachairt dhaibh air an ionnsuidh so. Each Tapaidh. Tha nighean bheag a fuireach ann air cearna de Stàit Dakota, aois ochd bliadhna, agus so mar tha i ’dol dh’ an sgoil anns a gheamhradh. Tha each glas Frangach d’an ainm Sultan aig a h-athair, agus ’sa mhaduinn tha e ’ga chur ’san t-sleighe, agus air dha an nighean a chòmhdach gu blàth le béin ’s le aodaichean, leigidh e ’n t-each air falbh. ’Nuair a ruigeas an t-each an tigh sgoile, stadaidh e gus an tig an nighean as an t-sleighe, agus an sin tillidh e dhachaidh. Théid a chur dh’ an stàpull gus am bi ’n t-àm aig an sgoil sgaoileadh agus an uair sin theid acuinneachadh a rithist, agus togaidh e air leis fhéin dh’ ionnsuidh an tigh-sgoile ’s bheir e an nighean dhachaidh gu sàbhailte. Tha e mar so fad a gheamhraidh a deanamh astar cheithir mile gach latha agus ’ga dheanamh a cheart cho riaghailteach ris an uaireadair. Dh’fhaighnicheadh de ghille beag uair, car son a bha e mach le sgàileagan os a chionn ’s gun grian no uisg’ ann gu dragh a chur air. Fhreagair an gille, “’N uair a bhios an t-uisg’ ann, bidh an sgàileagan e aig m’ athair, ’s ’nuair a bhios a ghrian ris, bidh e aig mo mhathair, ’s cha’n eil agams’ air ach feum a dheanamh dheth ’n uair nach bi aona chuid grian no uisg’ ann.” SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 37] [Vol. 4. No. 5. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh Innseanach bochd a mharbhadh leis a charbad-iaruinn an la roimhe eadar Stellarton us New Glasgow. Chaidh nighean òg do’m b’ ainm Alberta Stiùbhart, a mhuinntir Winchester, N. S., a mhort ann am Boston o chionn cho’-la-deug. Fhuaradh a corp ann an amhuinn a tha ruith troimh ’n bhaile. Cha d’ fhuaradh a mach fhathast cò a chuir crioch oirre. Thachair sgiorradh grànda do ghille ann an Amherst Di-luain. Bha e ’g obair mu’n cuairt air uidheam speallaidh, agus gun fhios d’a fhéin sheas e mu choinneamh na speala. Chaidh té dhe chasan a mhilleahd agus an fheoil a renbadh glan gu h-eagallach, an cnaimh a bhristeadh dhith. Bha e cho dona ’s gu’m b’ fheudar a chur dh’ an ospidal ann a Halifax. Gheobhair ainmean na feadhnach a phaigh am Mac-Talla air a mhios s’a chaidh anns aa àireamh so. Tha sinn fada fada ’nan comain air son iad a bhi cho iasguidh gu pàigheadh ’s a’ guidhe ’h-uile latha sona dhaibh ’s gun latha idir dona dhaibh. Ma rinn sinn dearmad air duine sam bith a phàigh, leigeadh e fios d’ ar n-ionnsuidh, ’s ni sinn a chùis a chur ceart gun dàil. Tha ’n tiormachd an deigh call mor a dheanamh anns a chearna sin de dh’ Ontario rls an ear-dheas. Tha ’n t-uisge anns na h-uillt ’s anns na fuarain anabarrach iosal, agus am beagan feòir us bàrra bh’ ann tha e air itheadh suas leis na leumadairean-fròir. Tha na tuathanaich ann an àitrachan a cur a stigh gu luchd-riaghlaidh na mòr-roinne, air iarraidh cuideachaidh. Chaidh gille de’n ainm Mac Fàidein, aois da bhliadhn’ deug a mharbhadh ann a’ Victoria West, an Eilein a’ Phrionnsa, a sheachdain gus an diugh. Bha e falbh le each ’s ròp aige ’n ceangal mu ’amhaich. Bhuail e ’n t-each le ceann an ruip air son a ghreasad, agus ruith an t-each. Chaidh esan aig a cheart àm an sàs anns an ròp, agus shlaod an t-each leis e gus an robh e air a mharbhadh. Chaidh an sabhal aig Iain Mac Aonghais, ann an Sidni Tuath, ’na theine ’sa mhaduinn Di-ciaduin, agus chailleadh gach ni a bha na bhroinn. Bha còig no sia tunna feòir ann, agus àireamh de dh’ uidheaman-tuathanachais ann. Chunnacas grunnan de sheoladairean mu’n cuairt dhe’n t-sabhal trath, ’sa mhaduinn, agus thatar a deanamh mach gu’m b’ iadsan a chuir an teine ris. Chaidh gille beag le Mr. Finlay a mhuinntir Kentville, N. S., a bhàthadh ann an Sidni Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh e mach a chlasachd air laimhrig gun fhios d’a mhàthair, thuit e thairis agus chaidh a bhàthadh ann an naodh troidhean a dh’ uisge. Bha e air a bhàthadh mu’n do dh’ ionndrain a mhàthair as an tigh e. Cha robh e ach coig bliadhna dh’ aois, agus cha d’ rinn a mhàthair ach tigh’n dh’an bhaile leis o chionn ùine ghoirid. Chaidh gille beag a mharbhadh aig a Mheinn a Tuath (Sydney Mines) Di-sathairne sa chaidh, le tuiteam le creig aig oir a chladaich. Bha e còmhla ri treud de chloinn eile aig an Rudha Dhubh, agus chaidh esan tuilleadh us faisg air bile na creige, ’s thuit e thairis. Tha a chreag aig an aite sin mu dha fichead troidh a dh’ àirde. Bha e beò ’nuair a rainig iad e, ach beagan an deigh a thoirt dhachaidh, dh’ eug e. Bha e le Iain Harrietta, agus cha robh e ach ceithir bliadhna dh’aois. Tha paipear á Nova Scotia ag innse gu’n d’ fhalbh dithis pheathraichean us bràthair o’n dachaidh ann an Tatamagouche ’sa mhaduinn Diluain gu dhol dh’ an bhaile faisg air laimh a dh’fhaicinn circus. Ghabh iad am braiceist mu’n d’ fhalbh iad comhla ri ’n athair, Alasdair Mac Leoid. Air feadh an latha fhuair iad fios gu robh an athair air fàs gle thinn: chaidh iad dhachaidh agus an oidhche sin fhéin chaochail e. Bha ’n t-Oillear Domhnullach á Truro anns a’ bhaile air an t-seachdain so. Thaghail e air Mac-Talla agus thug sinn treis a dh’ùine ’na sheanachas. Tha e glé bhuidheach dhe’n phaipear agus ag ràdh gu’n cuireadh e doimhtheadas mòr air na’n rachadh e bàs le cion cuideachaidh o na Gàidheil. Tha sinn an dòchas nach eagal d’a sin. Buinidh Mr. Domhnullach do Amhuinn Dhennis, agus tha e o chionn àireamh mhath bhliadhnaichean na fhear-teagaisg ann an Oil thigh nam maighstirean-sgoile ’an Truro. Tha duine de’n ainm Holmes anns a phriosan ’s na Stàitean an drasda air son murt. Cha’n e aon mhurt, no a dha, no tri, a th’ air a chur as a leth, ach a dha-dheug. ’S e càs a’s uamhasaiche thàinig air beulaobh cùirt-lagha o chionn fhada. Rinn e murt no dha ann an Toronto, agus càch anns na Stàitean. Tha cuid a dhaoine anns na Stàitean ag iarraidh Holmes a chur a nall a Chanada gu bhi air fheuchainn; tha iad dhe’n bharail gu faigheadh e dhuais na bu luaithe san dùthaich so na gheobh e anns na Stàitean. Tha fiios aig na h-uile h-aon roimhe so gu bheil ceartas a gluasad gle mhall anns na Stàitean, agus ann an càs mar so bu chòir dh’i gluasad cho luath ’sa ghabhadh deanamh. Bha teine mor ann an Springhill Di-màirt s’a chaidh. Thòisich e ann am bàthach each, agus sgaoil e á sin gus an deachaidh àireamh mhòr de thaighean ’s de stòraichean a losgadh gu làr. Faodar a ràdh gu’n do loisgeadh a chuid a b’ fhearr dhe’n bhaile. Tha’n call air a mheas eadar deich mile fichead us da fhichead mile dolair. Gu fortanach cha do chailleadh beatha duine, ach bha aon duine air a leònadh le tuiteam bhar fàraidh. Bha ’chas air a buisteadh, agus chaidh a cheann a ghoirteachadh. Chog na daoine ris an teine gu treun, ach bha e doirbh casg a chur air. Bha còig eich air an losgadh anns a bhathaich ’s an do thòisich an teine. Cha d’thug an teine sgriob cho dona so air Springhill riamh o’n chaidh a thogail an toiseach. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON, THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 38] [Vol. 4. No. 5. p. 6] SGEULA FIRINNEACH. O chionn àireamh bhliadhnachan, thachair do chaileig oig, d’am b’ainm Beurla Grace Scott, nighean banntraich bhochd, dhichiollaich. chòir, a bha ’chomhnuidh ann an Bail Gobhainn ann an Athull, fasda ghabhail air féill na Bealltuinn aig tuathanach beag fearainn ann an Logie Almond, a bhuachailleachd a chuid cruidh, gu ruig an Fhéill-Màrtuinn. Cha robh i riamh roimhe sin oidhche mach a tigh a màthar, no air falbh o’n ait anns an d’rugadh ’s na thogadh i. ’N uair dh’fhairich si i féin ann an tir choimheich am measg choigreach, far nach robh cainnt bhlasda a dùthcha féin air a labhairt, no aon neach a b’aithne dhi, chaill i a misneach—bha gach latha mar bhliadhna. Cha b’urrainn di luinneag no oran a thogail—bha a cridhe trom, agus bha’n osunn do ghnàth san uchd, agus an deur a chaoidh air an t-sùil. Shuidheadh i am fasgadh creige, no air bruach na h-aibhne, a’ gul ’s a’ caoineadh. Mu dheireadh, chuir i roimhpe ruith air falbh—a muinntearas a bhristeadh, agus teicheadh dhachaidh gu bruachan boidheach tir a h-oige. Ach ciamar a bha so r’a dheanamh, cha robh fios aice, cha b’aithne dhi eadhon an rathad air am bu choir dhi falbh. Latha de na laithean, mar a bha i a’ giùlan cuinneag uisge o thobar a bha cul cnuic dlùth do thigh an tuathanaich, mhothuich bana-cheard a bha gabhail an rathaid i. Chunnaic si i a’ gul ’sa’ caoineadh. Dhlùthaich i oirre, agus dh’fheoruich i ciod a b’aobhar d’a bron. Dh’innis a’ chaileag dhi mar a bha ’chùis, gun ni air bith a chleith no chumail air ais—gu’n robh a cridhe a’ sgaineadh le fadal gus a màthair fhaicinn, agus pilleadh d’a dùthaich féin. “C’àit a’ bheil do mhathair a chomnuidh?” arsa ’bhana-cheard, ann an Gàilig mhilis bhlasda na h-Athull. “Tha dluth do Naol-an-earn,” arsa ’chaileag, le mor thoilinntinn. “Naol-an-earn!” arsa ’bhana-cheard. “Tha mise direach a’ dol dlùth air a’ cheart àite; agus ma’s urrainn duit pilleadh dh’ ionnsuidh an tighe, agus do chuid aodaich a ghoid leat, fuirighidh mise riut cùl an tuim ud shuas, agus treoruichidh mi dhachaidh thu.” Cha robh tuille ri ràdh. Ann an tiota beag thainig a’ chaileag le ’cuid-aodaich; agus ghabh i ’n rathad maille s’ air bhana-cheard, mar a shaoil ise, dh’ionnsuidh dachaidh a màthar. Mu thuiteam na h-oidhche, ràinig iad coille; agus ghabh iad a stigh do’n choille air céum-rathaid, gus an d’ ràinig iad far an robh buidhionn làidir do chèaird, le’n leanaban, le ’m buìthean beaga iosal agus gealbhain, a’ cur dhiù, le feala-dhà, oraìn, gleadhraich, agus aighear. Thuig a’ chaileag co i bha mallle rithu, agus co iad a’ chuideachd a choinnich i. Chuir i roimhpe gun choltas sgàth sam bith a bhi oirre, agus fuireach gu sàmhach maille riu gu latha. Chuir iad a laidhe i maille ri leth-dusan de phàisdean beaga fo sgàil craoibhe, agus seorsa do phlaide thairis orra. Cha ruigear a leas a ràdh nach d’fhuair i moran cadail—cha do dhùin i a suil. Sa’ mhaduinn, bha camp nan ceard air bonn. Thog iad orra—na mnathan, ’s na pàisdean, ’s na h-adhaircean, ’s na builg, air na h-asail—cuid a’ coiseachd—agus an Ceard Ruadh a’ seinn na pioba, air an rathad chum Dunchaillionn. Ghabh Grace Scott aithreachas gu’n do bhrist i a muinntearras; chuir i roimhpe pilleadh agus maitheanas iarraidh air an tuathanach, agus a h-àm a ruith mar a gheall i. Ach ciamar a bha so r’a dheanamh? Bha i ’trusadh bhlàithean boidheach taobh an rathaid-mhoir, a’ fuireach do ghnàth air deireadh, gus an robh na ceaird as an t-sealladh; agus an sin thar i as air a h-ais chum an ait as an d’fhalbh i. Dh’innis i mar thachair—fhuair i maitheanas—sheas i a muinntearras—rinn i mach a h-ùine; ach air an Fheill-Màrtuinn, ghabh i a tuarasdal, cheangail i gu gramail e ann an cuid d’a h-aodach, thog i na bh’aice air a druim, agus ghabh i an rathad dachaidh gu tigh a màthar. Ghabh i a cead de Logie Almond, agus thug i Dunchaillionn oirre, far an robh dùil aice bhi mun tuiteadh an oidhche. Choisich i gu cridheil sunndach air a h-aghart, gus an d’ràìnig i monadh air an robh aice ri dol thairis; agus dh’fheuch i seorsa ath-ghoirid a ghabhail, air nach robh i ro eolach. Bha féill an latha sin ann an Dunchaillionn; agus bha i anabarrach deonach air a ruigheachd, agus a càirdean a choinneachadh ann, mu ’m fagadh iad am baile. Ach chaidh Gursal truagh air seacharan—chaill i an rathad—cha robh fios aice c’àit an robh i. Thàinig an oidhche. Chual’ i tailmrich chas, agus mar gum biodh daoine ’seanachas dlùth dhi. Thàinig iad far an robh i, agus dh’aithnich i co iad—ceard agus bana-cheard do’n cheart chuideachd leis an robh i ’n uair a theich i o thigh an tuathanaich! Bha i nis fo eagal mor, air a h-oillteachadh, agus gun fhios ciod a dheanadh i. “Na chaill thu ’n rathad?” arsa’n ceard. “Chaill,” ars’ ise. “Ca bheil thu dol?” “Tha mi,” deir ise, “’dol dachaldh do Dhunchaillionn.’ “Bha thu ’gad chosnadh,” arsa ’n ceard; “a mach air a’ mhionaid do thuarasdal, agus thoir dhomh e!” Cha robh comas air, thug i dhà na h-uile peighinn a bha aice air aghaidh an t-saoghail; agus an déigh dha so fhaotainn, cha’n innseadh e dhi c’àit an robh ì no ciod an rathad bu choir dhi a ghabhail. Ghabh i air a h-aghart; agus mu dheireadh chunnaic i seorsa do sheann tigh briste, gun tuthadh gun sioman, roimhpe. Chaidh i ’stigh chum fasgadh a ghabhail ann gu maduinn. Mhothuich i clùdan, agus nithe eile a dh’innis di gum bu chleachdadh leis na ceaird cuid d’an ùine ’chur seachad san t-seann làraich so. Bha i air a claoidh le sgios—luidh i sios air an ùrlar, agus clach fo ’ceann. Cha robh i ’n sin fada gus an cual i fuaim ni-eiginn a dlùthachadh. Dh’oilltich i—ruith i suas gu ceann ard an tighe. Thuig i gur seana mhuilionn dubh Gàidhealach a bh’ann. Bha cuid do’n t-sean acfhuinn fhathast san àite—bha’n treabhailt fhathast ’na seasamh. Streap i stigh ann, agus dh’fhalaich i i féin am measg càth agus sadaich. Cha luaithe rinn i so na thainig an ceard a thug uaipe an tuarasdal, agus bana-cheard, a stigh. Thoisich an ceard air innseadh mar a thachair dha air a’ mhargadh—mar a ghoid e ’n t-suim so bho mharsant ann an Dunchaillionn, agus an t-suim ud eile bho thuathanach, “agus so,” ars’ esan, “na thug mi o’n chaileig oig.” Thoisich iad ri mionnachadh, ’s ri mallachadh, ’s ri comhstri. Dh’ fheuch Gursal sealladh fhaotainn orra, agus air a tuarasdal beag féin; ach anns an deuchainn so chuir an treabhailt car dhi, agus thuit an t-seann acfhuinn le stroighlich mhor! Theich na ceaird; gabh iad as, a’ fàgail na bh’aca air an ùrlar. Dh’eirich a chaileag, thug i leatha na dh’fhàg iad air an ùlar—a cuid féin, agus na ghoid iad o fheadhain eile; agus, roimh mheadhon an ath-latha, ràinig i gu tèarunnte tigh a màthar. [TD 39] [Vol. 4. No. 5. p. 7] MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. DR. T. C. MACLEOID Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I.O.G.T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., Agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. NicFhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais,Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B [TD 40] [Vol. 4. No. 5. p. 8] An Duilleag. Sgaraichte bho’n stoc, a’s reubta O’n a gheug ri’n robh thu crocht’. A dhuilleag chrionta, sheargta, bhronach, C’àit am bi do chomhnuidh ’nochd? FREAGAIRT. Thùirling dealanach nan speuran, Reub e leis na geugan àrd: Sgealb e ’n darag as a chéile— Sgap e ’ceutachd air a’ bhlàr. Shéid an doinionn as an fhàsach, Bhrùchd i làidir bhàrr nan cnoc; Thaosg i ’m fad air uchd an t-sléibhne, ’N duille, ’gheug, an fhreumh, ’s an stoc. ’S cianail sgith, gun sith gun solas, M’ ioman bhronach-sa gun fhois; Tha gach osag ’ga mo threorach Mar is deoin leath’, thall ’s a bhos. Tha mo thurus dians’ a’ sior-ruith ’Steach do thir na di-chuimhn’ bhuan; Tuitidh ’n duine, ’s seargaidh as An ros a’s boidhich’ ’s as dreachmhor snuadh. Oighean ait is àillidh snuadh, No deanaibh uaill à geal ’us dearg; B’àluinn mis’ measg dhuilleach uaine— ’Nochd, mo thauaighe! ’measg nam marbh. ’Chlann an anbharra ’s na morchuis, ’Cuim an dean sibh bosd dhe ’r cuid: ’Si ’n osag ’s àirde thogas suas mi, ’Bheir a nuas mi anns an dus. ’Fhearaibh og, làn treoir is slàinte Dochas ard ’us càileachd bhrais; ’S tric bha latha grianach meailt’ ’s tha ’M fhoghar air a’ ghcamhradh faisg. ’Sheanairean nan ciabha sneachd-gheal, Beachdaichidh an so le’r sùil; Tha ’ur foghars’ dol ’na dheann-ruith; Faicibh geamhradh air a chùl. Iadsan a Phaigh. D. C. Mac Neil, Narrows Mhora D. Mac-a-Phearsain, Narrows Mhora Micheil Mac Néill, Xmas Island Alasdair Mac Fhionghain, Xmas Island Coinneach Mac Amhlaidh, Point Clear Padruig Dùghlach, Loch Side Domhnull Mac Ille-Mhaoil, Port Morien Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien A. I. Mac Fhearghais, Cariboo Marsh An t-Urr. I. Domhnullach, Strathlorne Tormaid Mac Leoid, Roseburn, ($2.00) Murcha Mac Gilleain, Valley Mills Iain Mac-a-Phiocair, Catalone Tormaid D. Mac Neill, Marion Bridge, (50c) Tearlach Ceanadach, Amhuinn Dhennis Iain Mac Gilleain, Scotsville An t-Urr. H. P. Mac-a-Phearsain, Arichat Eobhan Gillios, Braigh Mhargaree Iain Mac Fhionghain, New Canada Eobhan Mac Fhionghain, ($2.00) New Canada Eos. D. Sutherlan, Soldiers Cove, ($2.00) Curstidh A. Dhomhnullach, Leitches Creek R. H. MacFhionghain, Ameguadies Pond Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake Mari Nic Gill-fhaollain, Braigh Mhargaree Murcha Domhnullach, Ceap Nor Anna Chaimbeul, Ceap Nor. Niall Mac-a-Phearsain, Sidni Padruig Moireastan, Sidni Iain Mac Odrum, Sidni Tormaid D. Mac Nèill, Sidni Iain Mac Coinnich, Lunnuinn, (11 air) Tearlach Mac Aoidh, Lunnuinn (3 air) Cailean Siosal, Lunnuinn W. Mac Griogair Stoddart, Lunnuinn Nic Dhomhnuill na Ceapaich, Lunnuinn M. M. Bartlett, Lunnuinn Mrs. Johnstone, Rawenstall, Sasuinn An t-Oillear A. G. Domhnullach, Truro, N. S Alasdair an Ridse, Braigh na h-Aimhn Deas M. J. Mac Neill, Halifax (50c) D Mac-Ille-ghlais, Am Baile Reultagach Eachunn Mac Fhionghain, Am Baile Reultagach Aonghas Mac Aonghais, Georgeville An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore M. H. Mac Coinnich, Rose Valley, P. E. I. Seumas Mac Amhlaidh, Caledonia D. H. Domhnullach, Welsford, N. B. Domhnull Mac Leoid, Three Forks, B. C. Niall I. Mac Cuaig, Laggan, Ont. (50c) Alasdair Mac Calamain, Priceville, (50c) Eachunn Mac Fhionghain, Priceville An t-Urr. Niall Mac Nish, D. D., Cornwall Uisdean Mac Leoid, Harriston Padruig Crawford, Oldfield U. A. Siosal, Knappa, Oregon, $(2.00) I. D. MacPharlain, Knappa, Oregon A. R. Domhnullach, Albany, N. Y. Donnacha W. Siosal, Maplewood, N. H. Iain N. Peutan, Walla Walla, Wash. Iain G. Mac Eachuinn, Woburn, Mass. Ailein Mac Asguill, Fourchie, C. B., (25c) Chaidh tri fichead ’sa còig de dh’eich bheaga Sable Island a reic ann a’ Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad ’nam beothaichean cho gasda ’sa thugadh bhar an eilein o chionn àireamh bhliadhnaichean, ach a dh’ aindeoin sin bha iad air an reic eadar tri dolair gu leth us deich dolair fhchead am fear. Bha tuilleadh air an reic a’s t-fhoghar. Tha na leumadairean an deigh am fiar a mhilleadh air an eilean am bliadhna, agus tha fiar ri bhi air a chur á Halifax air son na h-eich a bheathachadh ’sa gheamhradh. B’ àbhaist dh’ an gheamhradh cur as do mhoran dhe na beothaichean boidheach so, ach o chionn dha no tri bhliadhnaichean, chuireadh suas àiteachan-fasgaidh dhaibh, ’s cha’n eil ach fior bheagan dhiubh a bàsachadh gach geamhradh. Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 41] [Vol. 4. No. 6. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 17, 1895. No. 6. A’ GHRIAN AGUS MERCURI. Ged tha oibre a’ chruthachaidh gu léir mor agus miorbhuileach, gidheadh, cha n’ eil ni air bith ri fhaicinn ’n am measg ni’s ciataich’, agus ni ’s oirdheirce na cruinn-chuirp shoillseach nan speur. Feumaidh “na soluis a ta ann an spéuraibh nèimh” iongantas a chur orra-san uile, a bheachdaicheas le cùram air na gniomharaibh so, a rinneadh leis-san a thubhairt, “Biodh soluis ann an speuraibh nèimh, a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche, agus biodh iad air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan!” Dh’ innis sinn anns a’ cheud earrainn gu’m bheil a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon nan reult, a ta ’g iadhadh m’a timchioll ’n an cuairtibh eug-sàmhla fein. Tha i fein, ach beag, neo-ghluasadach ged tha a reultan uile a’ gluasad mu’n cuairt di. Tha i, gidheadh, a’ cur char di air a mul fein,* o’n iar gus an ear, agus a’ gabhail coig thar fhichead de na làithibh againne, chum aon chuairt a chur! Tha i corr mor agus muillean uair ni’s mo na’n talamh so, agus corr agus ceithir fichead ’s a deich muillean mìle air astar uaithe; gidheadh, tha a teas, agus a solus a’ ruigheachd air, agus a’ toirt beatha do gach creutair agus luibh a ta air! A réir beachd dhaoine foghluimte, tha a’ ghrian ’n a cruinn-bhall mor, daingeann, agus dorcha air a cuairteachadh le adhar soillseach agus dealrach air chor is nach faic sinne ach amhàin dearrsadh an sgeudachaidh leis am bheil i air a comhdachadh! Chithear air uairibh buill dhubha air aghaidh na gréine, agus tha na teallsanaich a’ deanamh mach, gur fosglaidhean, no tuill, iad so, air trusgan lannaireach na gréine, trid am bheil a corp dorcha fein air a nochdadh! Tha cuid a’ saoilsinn gu’m bheil a’ ghrian air a h-aiteachadh, cosmhuil ris an talamh so, le creutairibh reusonta agus tuigseach! Ach cha’n eil cunntas againn air so, agus cha ’n fheud sinn a bhi glic ’n ar barail fein, os ceann na tha air a sgrìobhadh! Ach, cha’n eil cunntas againn ’n a aghaidh; agus gu cinnteach a réir reusoin, cha’n ’eil e cosmhuil, gu’m biodh am ball cruinn agus beag so, air am bheil sinne a’ teachd beo, àiteachadh le creutairibh tuigseach am feadh ’s a bhiodh a’ ghrian, a ta corr agus muillean uair ni’s mo na e, air a fàgail ’n a fàsach fiadhaich agus falamh; agus a réir ar beachd-ne, gun fhéum air bith, ach mar lochran mor a shoillseachadh nan reult, a ta ’grad-shiubhal mu’n cuairt di. Mar so, chithear a’ ghrian, àillidh agus oirdhearc, ann am meadhon a teaghlaich, a’ co-phàirteachadh riu gach solais agus aoibhneis—a’ tilgeadh a gathanna or-bhuidh, chum an crìochan a’s iomallaiche—agus a tomhas an aimsirean doibh maraon! Mar so, tha’n solus mor so, a’ riaghladh an latha do gach aon fa leth de na reultaibh a dh’ainmicheadh, agus tha e dhoibh, a réir sonrachaidh Dhé,—“air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan.” Air do’n ghréin a bhi ni’s aillidh’ agus ni’s dealraiche na uile sholuis eile nèimh, rinneadh i ’n a cuspair-aoraidh, le cinneachaibh lìonmhor ’san àird an ear! Bha iad ag amharc oirre mar dhia, agus a’ sleuchdadh dhi leis gach cùram agus tréibhdhireas ’n an comas! Cha’n ’eil teagamh nach i a’ ghrian “Baal,” dia nam Pheniciach, “Chemos” dia nan Ammonach! Aig na reultaibh a ta ’cuairteachadh na gréine, tha là agus oidhche, samhradh agus geamhradh, ceart mar a ta aig an talamh againne. Tha iad uile a’ dol mu’n cuairt air am mulanaibh fein, ann am amannaibh suidhichte, agus ’s iad na h-amanna sin, an laithean agus an oidhchean fa leth. Tha iad uile, mar an ceudna, os barr, a’ dol mu’n cuairt do’n ghréin, ann an cearcallaibh mora, agus tha gach cuairt dhiubh so, a’ deanamh na bliadhna aig gach reult fa leth. Mar so tha bliàdhnaicheannan reult, a’s faigse do’n ghréin ni’s giorra na bliadhnaichean nan réul, a ta aig astar ni’s faide uaipe. De na reultaibh a dh’ ainmicheadh anns a’ cheud earrainn, ’se Mercuri a’s faigse do’n ghrein. Tha’n reult so ni’s lugha na’n talamh, agus cosmhuil ris a’ ghréin agus ris gach reult eile, tha i ’n a ball cruinn talmhainn, dà mhìle agus sea ceud de mhìltibh troi’pe! Tha i ’deanamh a cuairt mu’n ghréin, ann an seachd agus ceithir fichead là, agus tri uairean thar fhichead ùine de na làithibh againn-ne, agus ’se so, uime sin, bliadhna Mhercuri. Tha là na réilte so, dlùth air a bhi co fada ri’r latha fein; ach tha i co fagus do’n ghréin, an coimeas ris na reultaibh eile, agus air an aobhar sin, co ana-minic air a faicinn, is nach soirbh an ni do na teallsanaich fad a là a thomhas! Tha i ’cuairteachadh na gréine ann an cearcall, a ta sea muillean deug thar fhichead mìle air astar uaipe; agus tha i a’ siubhal anns a’ chearcall so cho luath, ’s gu ’m bheil i deanamh corr agus ceud mìle de mhìltibh anns an uair! Tha ’n solus agus an teas a ta i a’ tarruing o’n ghréin, a sheachd uiread ris an t-solus agus an teas againn-ne; agus ma tha creutairean reusonta a’ gabhail comhnuidh anns an reilt bhig so, chì iad a’ ghrian, seachd uairean ni’s mo na tha sinne ’ga faicinn! Tha dileab mhor air tigh’n air fear Laframboiz a tha anns an tigh-oibreach am Montreal. Bha e air a chur a stigh air son meairle, agus tha tri bliadhn’ deug roimhe fhathast. ’S fhiach an dileab coig mile fichead dolair, agus bha i air a fàgail aige le leannan a bh’ aige ann an làithean ’oige, agus a dh’ eug o chionn ghoirid ann a’ Holyoke, Mass. [TD 42] [Vol. 4. No. 6. p. 2] THOGAINN FONN AIR LORG AN FHEIDH. “’N uair a ràinig na sealgairean far an robh e, fhuair iad marbh e gun sgrid, a h-aon d’a chasan as an alt, agus a sgòrnan air a ghearradh o thaobh gu taobh. Bha na coin ’n an sìneadh air an réidhlean a’ plosgadh gn trom, air an claoidh gu buileach, ’s cha b’ iongantach e; ach ’n uair a thòisich na daoine air an fhiadh a làimhseachadh, theab iad a bhi ’n sàs annta a thiota, agus b’ éigin an cur air lothainn ’s an iall earbsadh ri Fionnladh. “Chàirich iad am fiadh air guaillibh nan gillean—shéid Donnachadh a’ phiob, agus ghabh iad an t-slighe ’bu ghiorra dh’ ionnsuidh na h-uamha. Chaidh am biadh ’s an t-slige mu-n cuairt—thug iad an sin an cladach orra—dhùisg fannadh sgairteil de ghaoith ’n ear, sgaoil iad na sùil gheala—chuireadh a mach na ràimh fhada, righinn—thogadh an iorram shùrdail, agus ann an trì uairean an uaireadair ràinig iad tràigh bhàn Cholonsa; agus mur robh oidhche shunndach aca ag innseadh eachdraidh na seilge, luas agus treuntas Bhrain agus Bhusgair, tha mise meallta.” Ma chaomhnar mi cuiridh mi litir no dhà d’ ur n-ionnsuidh mu shealg ’an fhéidh, agus cuid de na chuala ’s a chunnaic mi a’m òige ’an Tìr nam Beann. Air an àm, slàn leibh? a Chuairteir rùnaich, ’S mi ’ur caraid dìleas, AILEAN RUADH NA BEINNE. AN DARA H-EARRANN. “O! ceum an t-sealgair ri mo chluais, Le sranna ghath, ’us chon feadh sléibh! ’N sin dèarsaidh an òige air mo ghruaidh, ’N uair dh’ èireas toirm air sealg an fhéidh!” A Chuairteir Rùnaich, CHUIR sibh mòran meas air seann Ailein-na-Beinne le ’litir a chur a mach ’s an Aireamh mu dheireadh de ’n Chuairtear. ’S iomadh sgeul neònach a dh’fhaodainn a thoirt duibh mu Shealg an Fhéidh; oir chuir mise seachad a’ chuid a bu mhò de m’ làithean ’am measg chreag, agus air feadh a’ cheò; agus ’s iomadh cunnart a ruith mi air lorg an fhéidh—air seacharan gu tric ann am monaidhnean farsuing ’an àm cur ’us cathaidh, a’ cur seachad na h-oidhche fo sgàil creige, no ann an uaimh ùdlaidh. Ma tha daoine-beaga, no sìthichean ann, bu chòir dhomh-sa eòlas a bhi agam orra. ’S iomadh bruth ’us tolman uaine air an do shuidh ’s air an do chaidil mi, anns am bheil iadsan, ma’s fìor, a’ tàmh; ach cha-n fhaca ’s cha chuala mi a h-aon diubh riamh. Choinnich iomadh saighead-shìth orm, ach cha-n fhaca mi riamh iad air an tilgeadh, agus cha mhò a dh’fhiosraich mi gu-n robh buaidh no feart air bith annta; ach, o’n a thuit domh tighinn thairis air a’ leithid so de sheanachas, innsidh mi dhuibh sgeul beag mu ni àraidh a thachair orm, agus a chuir seòrsa faiteachais orm aig an àm. Tha ’nis còig bliadhna-deug-’ar-fhichead o’n a thachair dhomh-sa agus do dh’ Iain Ruadh a’ Choire, forsair a bha aig Diùc Athuill, a bhi ’mach air a’ bheinn air tòir fhiadh. Thog sinn oirnn gu moch. Bha ’mhaduinn dorcha, duaichnidh. Ràinig sinn guala na beinne, far an do shuidh sinn greis, gus an deachaidh fras throm shneachda seachad. An sin ghabh sinn air ar n-aghaidh gu aisridh chorraich, chais, far an robh dùil againn lorg nam fiadh fhaicinn, agus seòrsa de bharail fhaotainn ciod an taobh de’n bheinn air an robh iad. Chunnaic sinn a’ ghreigh ann an aigeal a’ ghlinne, agus ghabh sinn sìos gu h-athaiseach. Cha-n ’eil fhios agam ciod a chuala no ’chunnaic iad; ach thàr iad a nuas, dìreach glan a dh’ ionnsuidh a’ cheart àite ’s an robh sinn. Chaidh sinn cùl creige, as an t-sealladh. Ghabh a ’chuid a bu mhò dhiubh, gu socrach, seachad oirnn; ach thàinig aon damh donn, cabrach, mòr, cho dlùth ’s gu’n do loisg sinn air. Chunnaic sinn gu’n robh e air a leònadh, ach cha do thuit e. Lean sinn an lorg. Thòisich an sneachda, cur ’us cathadh anabarrach trom. Bha’n fhuil r’a faicinn air uachdar an t-sneachd’, agus thuig sinn air a luirg gu’n robh e leònta gu trom. Lean sinn e o àite gu h-àite. B’e deireadh an fhogharaidh e, agus tha fhios agaibh mar tha ’n sean-fhocal ag ràdh:—“Mar chlach a’ ruith le gleann, feasgar fann fogharaidh.” Chaidh sinn air seacharan—cha robh fhios c’àite ’n robh sinn—cha robh eòlas againn air stùic, no creig, no monadh, air an robh sinn a’ siubhal. Cha robh feum a bhi ’strì na b’ fhaide. ’Am measg gharbh-chrìoch ’us chreagan àrda, fhuair sinn sloc far an robh fasgadh o’n ghaillinn. Chaidh sinn a stigh air mhàgaran; agus air dhuinn aran ’us càise, agus dileag bheag dhibhe ’bhi againn, agus deadh bhreacain ghlas’ anns an do shuain sinn sinn fhéin, chuir sinn seachad an oidhche ’n ar cairtealaibh fiadhaich gu ro mhaith. Thàinig a’ mhaduinn, ach cha do sguir an sneachd’; shéid a’ ghaoth—chluinnteadh onfha’ trom agus gaillionn air a’ bheinn. Cha robh suim againn a nis de ’n fhiadh leòinte; ach bha sinn fo iomaguin ciod a dheanamaid. Bha fhios againn gu robh a’ ghaoth as an àirde-tuath. Thionndaidh sinn ar cùlaobh ris an stoirm, agus ghabh sinn air ar n-aghart, a’ tèirneadh gu faicilleach. Cha robh greim r’a itheadh, no deur dibhe r’a òl, ’s a’ mhàileid; ach choisich sinn mar a b’ fhèarr a b’ urrainn duinn, agus gun fhios gu ro mhaith c’àit’ an robh sinn a’ dol. Mu thuiteam na h-oidhche, chunnaic sinn gleann ùdlaidh, domhain, seòrsa de choire creagach, domhainn. Theirinn sinn sìos; agus, mar bha sinn ag amharc a mach air son fasgaidh am measg nan creag, mhothaich sinn bothain-àiridh agus cròithean chaorach air lèanaig bhig, chòmhnaird taobh aibhne! Cha robh dùil no dòchas againn gu-n robh duine no creutair beò ’s an àite. Ghabh sinn a dh’ ionnsuidh an aoin a bu sheasgaire coltas. Dh’ fhosgail an dorus gun bhuille ’bhualadh, agus sheas seana bhoirionnach duaichnidh, gruamach air an stairsnich. “Gabhaibh a stigh,” ars’ ise; “bha dùil agam ribh—bha ’fhios agam gu-n robh sibh air a’ bheinn—’s e ’ur beatha—tha ’ur biadh ’s ’ur leaba deas.” Agus mar a thubhairt, bha! Bha bòrd mu choinneamh a’ ghealbhain, agus anart glan—aran cruaidh coirce agus mulchag chàis’ air a’ bhòrd—agus, mar dh’ fhiosraich sinn ’n a dhéigh sin, goit air phoil, anns an robh eanaraich de shithinn cho maith ’s a chuireadh riamh ann am meadar! Cha b’ urrainn domh mo shùil a thionndadh o bhi ’g amharc air aodann preasach na caillich—a samhuil cha’n fhaca mi riamh:—aodann fada glas; falt fada, seargta, tana, sìos m’a guaillibh; sùilean beaga glas’, air an leth-fholach ann am frògan dorcha, le maildhean mòra, dubha. Cha-n fhaca mi aodann riamh anns an robh barrachd de choltas seòltachd, agus foille, agus droch-bheairt. Bha [TD 43] [Vol. 4. No. 6. p. 3] ceum crùbaich’ innte. Bha seòrsa de chrònan òrain ’n a beul mar ’bha i ’taomadh a mach na h-eanaraich ann an dà chuman bhòidheach, leth-chluasach a chuir i mu’r coinneamh. Thàinig sgàth oirnn le ’chéile; agus ged a bha sinn sgìth, claoidhte, acrach, ’s gann gu’m b’ urrainn duinn itheadh. O’n ghualainn aice, cha robh muilchinn, no léine; agus làmh cho fhada, righinn, chaol, cha-n fhaca mi riamh. Bha focail agus cainnt aice, air uairibh, nach b’ urrainn duinn a thuigsinn. “Ithibh,” ars’ ise, “’s e ’ur beatha.” Thilg i connadh air an teine, agus an sin sheas i suas m’ar coinneamh—sreang chaol’ chruaidh ’n a làimh, air an robh trì snaimean. “Thug mise,” ars’ ise, “fuasgladh an nochd do ghaillinn na beinne. Agam-sa tha cumhachd thar nan sìontan; ’s an t-sreing chaoil chruaidh so tha a’ bhuaidh. Ma dh’ fhuasglas mi aon snaim, séididh fathan a réir miann an t-sealgair; ma dh’fhuasglas mi ’n ath shnaim, séididh gaoth àrd agus gaillionn; ach ma dh’ fhuasglas mi an treas snaim, séididh stoirm nach seas duine no beò-chreutair. Thig an doinionn an sin a nuas troi’ choire ’s troi’ ghleann—craobh no crann cha chomas seasamh. Thig an tuil gu ruadh, dorch’, air bàinidh, o gach sgàirnich; agus an gàirdean seargta sin, stiùraidh e an tuil ’s a’ ghaoth. ’S i mo chathair binnein a’ chreachainn àird; ’s e mo ghille-freasdail torrunn nan speur. Dh’ fhiosraich sibhse an diugh mo chumhachd—’n uair a shéid a’ ghaoth, ’s a thàinig an sneachd ’n a chuairt eagalaich mu’r timchioll. Agus nach léir dhuibh gu’n robh dùil agam ribh? Cha d’ thug sibhse sithionn leibh: ach ma’s miann leibh coinneachadh, thig sibh fhathast le fiadh cabrach, no agh seasg o bhràigh’ Athuill, air a ’mheadhon-oidhche. Thigibh a nuas o Chàrn-na-fala, cha dean taibhse ’n Fhrisealaich cron oirbh, agus fhios aige c’àit’ am bheil sibh a’ dol. Ma ni sibh dearmad air a’ so,” ars’ ise, s i ’togail a gàirdein fada, seargta suas os ceann a cinn, “thig tubaist oirbh—glacaidh an tuil sibh ’s an abhuinn, no bàsaichidh sibh ann an cuithe sneachda—togaidh am fitheach ’ur luinneag bhàis, agus bithidh ’ur feòil ’n a lòn aig an fhìrein!” Air dh’i so a ràdh, thionndaidh i air a sàil, agus chaidh i ’mach. “Nì-maith eadar mi’s tu!” arsa mise a’m chridhe fhéin, oir bha eagal orm labhairt. Thàinig uamh-chrith agus uamhann orm. agus crith air m’ fheòil. Chuir Iain Ruadh a’ Choire a bheul ri m’ chluais, agus, ann an cagar ìosal, thubhairt e, “S i so buitseach Beinne-ghlò!” Chaidh sinn a luidhe—chaidil sin gu trom—dhùisg agus dh’ éirich sinn; ach sealladh eile de’n t-seana mhnaoi cha’n fhaca sinn tuilleadh. Ach chuala sinn cò i—boirionnach bochd a bha as a beachd, agus a bha a’ caitheamh mòran d’a h-ùine o àiridh gu h-airidh, agus aig an robh, gun teagamh air bith, anabarra fiosrachaidh agus eòlais mu dhéidhinn gach ni ’bha ’dol air aghart ’s an tìr. ’S ann dlùth do ’n cheart àite so bha duine ’bha ainmeil ’n a latha fhéin a’ tàmh, d’am b’ainm Iain Mòr. Bha baile beag fearainn aige air mhàl o’n Mhorair Mac-Aoidh. Cha robh cead aige, cha mhò a dh’ iarr e cead, féidh a mharbhadh. Ach coma cò dhiubh, chuir e seachad a’ chuid a bu mho d’a aimsir a’ sealg; agus cha robh latha ’s a’ bhliadhna air am b’ urrainnear sithionn itheadh, nach robh slinnean no sliasaid mhaith ann an tigh Iain Mhòir. Chaidh am Morair Mac-Aoidh, d’am b’ ainm Dòmhnull, a choimhead Iain Mhòir, a dh’ fheuchainn am b’ urrainn da thoirt air sgur de shealg. Dh’fhàg e ’ghillean cùl na beinne, ’s thàinig e gu tigh Iain gun duine leis. Bha Iain Mòr ’n a sheasamh ’s an dorus; chunnaic e am Moraire ’tighinn, agus chaidh e ’n a chòmhdhail. “An toir thu dhomh mo lòn-maidne?” ars’ am Moraire. “’S mise ’ni sin gu toileach,” ars’ Iain. “Ceud mìle fàilt’ air m’ uachdaran àrd! Thig a stigh, a Dhòmhnuill,” ars’ Iain Mòr, oir b’ e so ainm a’ Mhoraire, agus urram na b’ àirde cha tugadh Iain da; “thig a stigh, a Dhòmhnuill. Sin agad furm; dean suidhe, agus gheibh thu r’a itheadh na chost dhomh-sa beagan saoithreach a thoirt dachaidh.” Dh’ fhosgail Iain ciste ’bha taobh an teine, agus thug e mach tubhailte ghlan de dh’ anart caol. Chuir e so air bòrd daraich a chuir e ’mach ’am meadhon an t-seòmair, agus sgaoil e anart eile air glùn an duin ’uasail. Ghluais e ’n teine. Thug e ’mach gealag bhòidheach, bhradain a bha deas air son na grìosach. Cha b’ fhada bha ’n t-iasg ’g a uidheamachadh; agus an sin thug e mach slinneag de shithinn cho eireachdail ’s a chunnaic am Moraire riamh; agus chàirich e so air a’ bhòrd, le aran, ’us ìm, ’us càise, m’a choinneamh. “Am bheil sgian idir agad, ’Iain Mhòir, no salann?” arsa ’m Mòraire. “’S maith na sgeanan na corragan ’s na fiaclan,” ars’ Iain; “’s a thaobh salainn, cha d’ ionndrainn mi riamh e le sithinn. Tha sithionn mar ìm àiridh, ’s mìlse i gun salann.” Thug e ’n sin a mach searrag ’s an robh deur de ’n fhìor Thòiseach, agus cha-n fhòghnadh leis gus an do ghabh am Morair’ aon sgaile chridheil deth. Thòisich am Moraire ’n sinn ri labhairt ri Iain Mòr. “’S maith leam” ars’ esan, “’Iain Mhòir, ged tha thu a’ marbhadh fhiadh nach buin duit fhéin nach ’eil thu ’g a chleth; oir thug thu dhomh bradan o m’ linne fhéin, agus sithionn o m’ bheinn. A nis, ’Iain, éisd rium. Bheir mi dhuit cead fiadh a mharbhadh air Fionna-Bheinn, an trás ’s a rithist, ma gheallas tu nach bean thu do dhamh, no dh’ eilid, no dh’ agh, ann an àit’ eile air m’ fhearann. ’S éigin duit togail de ’n mhèirle so.” “A Dhòmhnuill,” ars’ Iain Mòr, “an cuala tu riamh—‘Crann á coille—fiadh á fireach—breac á buinne—trì seòrsa mèirle as nach ruig neach beò a leas nàire ’ghabhail gu bràth.” A nis, moràn taing dhuit, a Dhòmhnuill, gu-n do chuir thu de dh’ onoir orm do lòn-maidne ’ghabhail ’am bhothan bochd. ’S e do bheatha uair air bith a thig thu ’n rathad. Ach a thaobh do thairgseadh air ‘fiadh an tràs ’s a rithist air Fionna-Bheinn,’ na cluinneam focal tuilleadh m’a dhéidhinn. Thoir còir na beinne sin do dh’ aon fhear eil’ a thogras tu; ach cia air bith àite, air monadh no srath, ann an gleann no air beinn, air feadh na dùthcha, anns am bi na féidh a ’s fèarr culaidh a’ taghal, ’s an àite sin gheibhear Iain Mòr.” Thuig am Moraire nach robh maith dha ’bhi ’labhairt, agus dhealaich e ris. Slàn leibh, a Chuairteir rùnaich. ’S mise ’ur seana charaid, AILEAN-NA-BEINNE. Esan aig a bheil beagan beairteis, agus a bhiodh toilichte leis na bu lugha, tha e beairteach gu leòr gu bhi sona. Esan aig a bheil moran beairteis, ’s gun e riaraichte leis, cha’n eil sonas idir aige Ma ’s math leat meas a bhith aig daoine eile ort, biodh meas agad ort fhein—is e sin ri ràdh, biodh do chaitheamh beatha agus do ghiùlain maiseach. [TD 44] [Vol. 4. No. 6. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 17, 1895. Cha robh dùil aig an fhear-dheasachaidh ’nuair a dh’ fhalb e air a chuairt shamhraidh gu’m biodh sùil sam bith aig luchd-leughaidh a phaipeir ri cunntas fhaotainn air a thurus. Ach tha na h-uiread air sgriobhadh g ’a ionnsuidh a leigeil fhios da gu’m bu mhath leotha cluinntiun uaithe, ’s gu bheil e cur roimhe beagan a radh uime fhéin ’s mu thurus anns an ath àireamh. Cha bhi fior mhoran aige ri radh, ach innsidh e beagan mu na h-àiteachan ’s an robh e, ’s na daoine a thachair air annta, ’s theagamh gu’n cord sin ris a mhor-chuid de’n luchd-leughaidh cho math ri seanachas sam bith eile. Cha’n eil e coltach gu bheil cor an t-sluaigh ann an Armenia a’ dol dad na’s fhearr mur h-eil na’s miosa. Tha ’n Turcach cho cealgach ’s cho brùideil ’sa bha e riamh ’s cha ’n eil e soirbh do rioghachdan eile na Roinn Eorpa a bhi suas ris. ’N uair a chualas an teiseach mar a bha e cur as do shluagh Armenia, ghabh e air ma bha ’leithid ann gu’m b’ ann gun fhios da-san, agus gheall e nach biodh an corr geur-leanmhuinn ann, gu’n cuireadh e fhéin casg oirre. Ach tha e soilleir nach d’rinn e a réir a gheallaidh, oir tha ach gann gach seachdainn a toirt sgeul ùr air creachadh ’s air marbhadh le chuid shaighdearan as an dùthaich bhochd sin. Tha moran de shluagh na Roinn Eorpa a nis air fàs searbh dhe bhi cluinntinn sgeoil dhe’n t-seorsa sin agus cha bhi ’n ùine fada gus am feum an Turcach deanamh a réir fhacaìl, no bidh a’ chùis air a thoirt as a lamhan gu buileach. Tri fichead bliadhn’ air ais air a cheud la dhe’n fhoghar, bha h-uile duine bha fo chuing tràille ann air Iompaireachd Bhreatuinn air a shaoradh. Air an latha sin fhuair corr us seachd ceud ’s tri fichead us deich mile (770.000) tràill an saorsa. Bha iad an sin air an roinn ’nan da phàirtidh; bha cuid air an ceangal ri ’m maighstirean fad cheithir bliadhn’ eile mar sheirbheisich, agus cuid eile fad shia bliadhna. Ach faodar a ràdh gu’m b’ ann air an la ud a fhuair iad an saorsa. Phaigh Riaghladh Bhreatuinn fichead muilein punnd Sasunnach do na maighstirean. Litir a “New Jersey.” FHIR-DEASACHAIDH A’ MHAC-TALLA:— A Dheagh Shàir,—Thaim a cuir ugaibh ’sa litir so $1.00 mar fo-sgriobhadh air son a’ MHAC-TALLA gus aon bhliadhna. Biodh am paipear air a seòladh gu Prof. J. D. Prince, Ringwood, Passaic Co., N. J., U. S. A. Tha mi ann am fhear-teagaisg anns “Ard-scoil a’ Bhaile New York,” agus is ro thoigh leam gach chainnt nan Celtich. Tha fios math gu leòr agam cheana na cainnt Breathannach (cainnt mo theaglach fhéin,) agus tha mi gu nuadh air tòisich foghluim nan cainntean Gàidhealach. Chuir caraid Albannach ugam an la roimhe samhladh a’ MHAC-TALLA, agus chunnaic mi gu luath gu’m bitheadh e cuideachadh mòr dhomh ann am fhoghlum na Gàilig Albannach. Cha’n ’eil teagamh nach bi a leugadh gle bhuannachdach dhomh, oir, mar a chi sibh o’n litir so, cha’n ’eil agam ach aithne dhona bhur cainnt bòidheach aosda. Thaim gu firinneach, J. DYNELEY PRINCE, Ringwood, Passaic Co. N. J., U.S.A., Ceudmhios an Fhogair 6, 1895. Tha sinn a’ clò-bhuladh na litreach so direach mar a ràinig i sinn, gun cheartachadh sam bith. Tha sinn an dòchas gu ’m faigh ar caraid air adhart gu math ann an ionnsachadh na Gàilig Albannaich, agus gu ’m bi MAC-TALLA ’na cchuideachadh mòr dha. Bidh sinn toilichte cluinntinn bhuaithe bho àm gu àm. Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 45] [Vol. 4. No. 6. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Morair Obaraidhean agus a Bhana-Mhorair, air chuairt air feadh Mhanitoba ’s an Iar-Thnath. Tha iad glé shiubhlach air feadh na dùthcha, agus tha iad a faotainn moran càirdeis agus urram gach taobh an téid iad. Cha’n eil sinn an dùil gu ’n gearan duine sam bith ’sa chearna so de’n dùthaich air gainead an uisge ’n dràsda. ’S ann a tha pailt tuilleadh ’sa chòir ann air son math an fheòir a thatar a gearradh. Ach ’s mor a’ feum a ni ’n t-uisge dh’ an bhàrr. Cha mhor gu robh lath dhe’n t-seachdain so gun frasan uisge thuiteam. Tha fear Iain Sherard an greim ann am Pictou air son maoidheadh gun loisgeadh e air Buchanan, fear-iuil a charbaid-iaruinn aig an Amhuinn an Iar. Tha cuid ag radh gu bheil iad ’ga aithneachadh, ’s gur e cheart duine bha sliagaireachd timchioll air Springhill mu’n àm a chaidh sia ceud dolair a ghoid á oifig na Mèinne. Bha ghealach làn air a chòigeamh latha dhe’n mhios so. Thig an solus ùr air an fhicheadaibh latha, agus bidh a cheud cheathramh ann air an t-seachdamh latha fichead. Thig uair us ceithir mionaidean deuga bhar fad an latha air a mhios so: air a cheud latha chaidh a ghrian fodha air seachd uairean, agus air an latha mu dheireadh air fichead mionaid an deigh sia. Tha ministear ann an Shelburne, N. S., an t-Urr. Dr. White, a fhuair cead searmonachaidh ’sa bhliadhna 1830. Uaithe sin bhaist e tri mile; phòs e seachd ceud us ceithir fichead càraid; thiodhlaic e mile ’s a h-aon; agus shiubhail e ceud us tri deug mile de mhiltean (113.000.) Ann an aon teaghlach bhaist e ’n duine ’sa mhac ’s ’ogha ’s ’iar-ogha! Rinneadh murt gràineil ann an Ontario o chionn ghoirid, ann an àite ris an canar Berlin. Fhuaireadh corp duine do’m b’ ainm Geanette air a leth fhalach ann am boglaich air an fhearann air an robh e ’g obair, agus coltas air gu’n deach a mharbhadh air dòigh glé bhrùideil. Tha duine tha fuireach ’sa choimhearsnachd air a chur an sàs air àmharus. Bha aimhreit eadar e fhéin ’s an duino mharbhadh beagan lathaichean roimhe sin. Bha pic-nic mhor anns a’ Bhras d’Or Bheag Di-màirt, air son airgead a chur cruinn gu tigh an t-sagairt a phàigheadh. Cha robh an t-side gle mhath, ach a dh’aindeoin sin, bha dòrlach mor sluagh cruinn, agus chuir iad seachad latha cridheil, sunndach. Bha Sir Tearlach Hibbert Tupper, agus an t-Onarach J. J. Curran a làthair agus rinn iad òraidean ris an do dh’ éisd an sluagh le deagh aire. Cha chuala sinn de ’n t-suim a chuireadh cruinn, ach cha’n eil teagamh nach robh suim mhath. Bha Sir Tearlach agus Curran ann an Sidni oidhche Chiaduinn, far an d’ rinn àireamh thaghte dhen luchd-leamhuinn cuirm dhaibh. Dh’ fhàg iad am baile ’sa mhaduinn Dior-daoin. Bha pic-nic aig tri de sgoilean-sàbaid a bhaile so ann an Louisburg Dior-daoin, sgoilean nam Methodach agus an da eaglais Chlèireach. Bha còrr us ceithir cheud eadar bheag us mhor a mach; cha robh an t-side gle bhriagha ach chuir iad uile seachad an latha gu toilichte. Chaidh robair a stigh do thigh-òsda ann am Montreal oidhche Shathurna s’a chaidh, agus air dha bhi feuchainn ciste ’n airgid fhosgladh, chaidh an lampa bh’ aige thairis ’s thoisich an tigh air a dhol ’na theine. Chaidh an robair fhéin a losgadh gu dona agus ghlaodh e air son cuideachaidh. ’Nuair a thainig an cuideachadh, rugadh airsan agus chaidh a chur dh’ an phriosan. ’S gann gu’n d’ thainig samhradh riamh o’n dh’ fhosgladh na méinnean-guail a thainig àireamh cho beag de shoithichean-seòlaidh dh’ an acarsaid so ’sa thainig air an t-samhradh so. Cha robh ach fior bheagan guail air a thoirt air falbh am bliadhna ach air soithichean-smùide. Tha so comhla ris gach ni eile a’ cumail ghnothuichean fad air ais anns an da bhaile, gu h-araidh ann an Sidni Tuath far am b’àbhaist do’n mhor chuid de na soithichean so a bhi taghal ’sa gabhail luchd. Chaidh au tigh aig Dòmhnull Mac Fhearghais, ann am Mira a losgadh gu lar air an t-seachdain s’a chiadh. Bha e fhèin a mach ag obair ’nuair a thòisich an teine, mu dheich uairean ’sa mhaduinn. ’Nuair a chunnaic e ’n toit bhar an tighe ruithe e dh’ fheuchainn am b’ urrainn da a chuid àirneis a shàbhaladh, ach bha ’n teine cho fad air adhart ’s nach b’ urrainn dha dad a dheanamh. Bha ’bhean ’sa chlann a’s tigh aig an àm ach fhuair iad as tiaruinte. Thòisich an teine a leus a lais duine dhe’n chloinn air an lobhta. Chaochail fear Iain Christopher ann an Ontario o chionn ghoirid, ’s e ceud bliadhna s a dha a dh’ aois. Tha e air a ràdh nach do bhean e riamh do stuth làidir agus nach do ghabh e ri ’linn ach glé bheag de thombaca. Chaochail fear eile, Mr Chambers, ’se ceud ’sa sia a dh’aois. Tha e air fhàgail airsan gu robh e glé dheigheil air a phiob ’s air a bhotull le chéilo. Tha cuid de dhaoine glice na dùthcha a nise ’tachas an cinn ’sa feuchainn ri dheanamh a mach ’dé ’s fhearr dhaibh a dheanamh air son aois mhor a ruigheachd, fuireach bho’n òl ’s bho’n tombaca gu buileach na bhi gabhail na thig ri ’n càil dhe gach seòrsa. Bha ’n t-Urr. Mr. Cléireach, ministear à Ottawa, ann an Sidni air an t-seachdain so. Shearmonaich e ann an eaglais St. Andrew’s maduinn na Sàbaid, agus oidhche Chiaduinn, thug e seachad anns an eaglais cheudna òraid fhileanta a toirt mion chùnntas air obair na h-Eaglais Chleireach ann an Trinidad, fear de dh’ eileanan nan Innsean an Iar. Tha moran de dhaoine mhuinntir nan Innsean an Ear air an eilean ag obair air na fearainn-shiùcair, agus ’s ann ’nam measg sin a tha teachdairean na h-eaglais a’ saoithreachadh. Bha Mr Clèireach air chuairt ann an Trinidad tri bliadhna air ais, agus tha e mar sin glé chomasach air innse mu’n obair. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s airson gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 46] [Vol. 4. No. 6. p. 6] TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MACLAOMUINN, M.A.D.D. CAIB VIII. Tra bha “Sgeul a Mhor Aoibhneis” a seoladh air aghart, mar ghobhlan-gaoithe a sgùmadh nan tuinn, chualas glaodh bho Thimoteus: “Seol ’san t-sealladh!” Dh-amhairc iad uille agus chunnaic iad soitheach air sgeir-thonn “Rudha gun Dochas.” Bha iad cinnteach gu’m bè “Aidmheil o’n taobh a muigh” a bh’ ann; ach sheall Criosduidh anns a’ ghloine-amhairc, agus thubhairt e gur seol coimheach a bh’ ann. Bha e fo iognadh am bè toil an Tighearn gu rachadh e chum a cuideachadh. Air dha Leabhar na Luinge rannsachadh nuair bha Imanuel na sgiobair, fhuair e mach gun phill an Tighearna gu tric a thaobh chum iadsan bha dol a dhìth a thearnadh. Dh-oilltich Criosduidh roimh chladach leis, ach bheachdaich e gu’m aon ni teachd dluth air “Rudha gun Dochas” nuair tha sinn air ar n’ ioman thuige trid ar droch ghniomharra féin, agus ni eile, teachd dluth le rùn muinntir eile thearnadh. Bha na maraichean mar an ceudna subhach nuair chual iad e toirt ordugh furtach a thoirt dhaibhsan bha ann an éiginn. Nis bha rùn an cridhe air a dheonachadh. Air dhaibh teachd dlùth leig iad sios an acair agus fhuair iad a charraig; chuir iad air snàmh an “Gealladh” agus chuir iad innte aran, fion, agus gach goireas eile dh-faodadh a’ bhi feumail. Dh’iarr na seoladairean uille dol anns’ a bhàta. Roghnaich Criosduich Peadar, agus Tomas, Eudmhor agus Timoteus, maille ri Tuigse aig a stiur: cha robh a ghaoth ard; ach gaoth ann no as, bha tonn air “Rudha gun Dochas:” Bha an “Gealladh” air a sgiobachadh le urnuidhean agus beannachdan na muinntir bha air bord “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Dh’iomair na ramhaichean le ’n uille dhichioll, ged bhitheadh am beatha fein an earbsa ris cha b’ urrainn iad spairn ni bu mhodha nochdadh. Chunnaic Tuigse soitheach an ceann orra d’a ’m ainm “Seann Feolmhorachd” air a tolladh air na creagan, agus a dol na sgealban. “Tha mi nis aige” ars esan. Bha i aon uair ann an seirbheis ar Tighearna, ach nuair a thoisich a slatan air grodadh, threig iad i air an ard chuan. Fhuair am “Prionnsa Dubh” i air a treigsinn, thug e còta lì dhith, agus chuir e fear coltas maiseach na sgiobair oirre. Aig an àm so thainig da’n ionnsuidh air an oiteig glaodh dhaoine ga’m bàthadh. Nuair a rainig iad astar labhairt dh’ aithn Tuigse dhaibh sgur a dh-iomradh. “Bitheamaid air ar faicill” ars esan “air eagal an am bhi strith ri muinntir eile thearnagh gu sgrios sinn sinn féin. (Ri leantuinn.) Comunn Gailig Hamilton. Aig Céilidh bhliadhnail a Chomuinn Ghàilig so, bha na oifigich a leanas air an cur an dreuchd. Riaghlair Urramach, Iain Mac Coinnich; Rùnaire, Cailein D. Mac Leoid; Iar. Riaghlair, Iain N. Dùghlach; Ailein Mac Fhionghain Scott; Ionmhasair, Iain Mac-a-Mhaighstir; Fear-aoraidh, an t-Urr. Dr Mungo Friseal; Piobairean, Ard-phiobaire, Seòras A. Smith, Alasdair Mac Ghriogair, Uilleam Oswald, agus Donnacha Caimbeul. Bha iad air an cur an dreuchd le Mr. D. J. Caimbeal, Riaghlair na bliadhna ’n uiridh, air a chuideachadh lers an Urr. Dr. Friseal. Bha an sin gibht air thoirt do Mhr Gilbert Mac Leòid, “Suaicheantas Chloinn Leòid” air a dhealbh ann an òr. Tha ’n suaicheantas so ri bhi ’na fhàbhar aig buill a Chomuinn Ghàilig o so a mach mar urram do Mhr. Mac Leòid air son na rinn e air son math a Chomuinn riamh o’n chuireadh air chois an toiseach e. An deigh so bha co sheirm chiùil aca, aig an robh òrain Ghàilig us Bheurla air an seinn, piosan Gàilig air an leughadh, agus oraid thaitneach air a liubhart leis an Urr. Dr. Friseal. An deigh so uile thug an oigridh agus cuid dhe’n t-seann fheadhain treis air dannsadh, a’ cur char dhiubh air an ùrlar ’s an t-seann doigh Ghàidhealaich. Bha corr us fichead de na fir air an éideadh ann am “Féille preasach, tlachd mo rùin, ’S osan nach ruig faisg an glùn, ’S cota breac nam basan dlùth, ’S bonaid dhù-ghorm thogarrach,” agus bha na h-ighneagan air an sgeadachadh ann an deiseachan breacain, dà ni a bha ’cur sealladh anabarrach briagha bhar na cuideachd. Chaidh Comunn Camanachd a chur air chois ann a Hamilton toiseach an t-samhraidh, agus chuireadh a cheana dà chath ri comunn eile dhe’n t-seorsa cheudna ’tha ’sa bhaile. Cha do choisinn taobh seach taobh ’sa cheud chath, ach ’s an dàrna fear, choisinn na Gàidheil. Tha iad an dùil cath a chur ri Comunn Gàilig Thoronto an ùine ghoirid; tha iad an dochas gun toir iad buaidh orra sin cuideachd, ach do bhrigh ’s gur ann ri Gàidheil a bhios iad a’ stri, cha bhi e cho furasada dhaidh a bhuaidh fhaotainn. Tha Hamilton na àite anabarrach Gàidhealach; is Gàidheil agus luchd labhairt Gàilig na daoine ’s prionnspalaiche ’sa bhaile, agus tha iad a deanamh uaill ann a bhi cumail suas cainnt, ceol, agus cleachdaidhean an sinnsir. Tha sinn fada ’n comain a’ charaid a chuir ugainn an cùnntas so air obair a Chomuinn Ghàilig, agus b’ fhearr leinn gu’n tigeadh fios uaithe beagan na bu trice. ’S toigh leinn a bhi ’g innse d’ ar luchd-leughaidh bho àm gu àm mar a tha dol leis na Comuinn Ghàilig anns gach àite; agus tha fhios againn gur mor is fheaird na Comuinn iad fhéin a bhi toirt iomradh orra ’sa Mhac-Talla an drasda ’sa rithist. Piobairean. Chuala mi iomradh uair air piobaire leis am bu chleachdach a bhi aig gach posadh a’s banais ’s an dùthaich an làithibh ’oige; agus mar sin a’ tional moran airgeid. Ach air dha ’bhi tighinn gu aois shìn feadhainn eile air a’ cheaird, agus cha robh an sean phiobaire ’faighinn cuireadh gu aon bhanais anns an fhichead a bha e cleachdadh ’s na ‘làithibh a dh-aom’. Latha de na làithibh choinnich duine eile ris, a shìn air bruithinn mu na piobairean oga mu’n cuairt: “O droch shiubhal orra” ars’ an seann fhear. “Cha’n fhaigh thu ’n diugh clach a thilgeas tu air cù ach piobaire!” Bha seana Ghàidheal a’ chuir àireamh bhliadhnaichean dhe ’bheatha seachad ann an Galldachd na h-Alba, ag ràdh air a thilleadh dh’a dhùthaich fhéin nach fhac e amadain dhaoine riamh ach na Goill. “Seall thu,” ars esan, “nuair a thachras iad ort air an rathad-mhor no ’n àite sam bith eile, cha chuir iad failt ort ach ‘Good Day’ ged a b’e ’n cur ’s an cathadh a bhiodh ann!” Tha eud gun eòlas a’ falbh air thuairme. Cha ’n ’eil fhios aig neach sam bith co an taobh a ghabhas e, no idir ciod an t-olc a dh’ fhaodas e dheanamh. [TD 47] [Vol. 4. No. 6. p. 7] MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. DR. T. C. MACLEOID Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I.O.G.T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., Agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. NicFhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais,Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B [TD 48] [Vol. 4. No. 6. p. 8] AN RIOMHINN GHLAN OG. Oran do dh-oigh uasail an Duneideann. LE IAIN MAC-GRIOGAIR. Air dhomhsa ’bhi direadh Do thalla an fhirein Gum faca mi ’n riomhainn ’Tha eireachdail coir. ’S oigh uasal air chinnte An riomhainn ghlan, og: ’Thaigh Ruadh-Shruth d’ a rireamh Tha ’n riomhainn ghlan, og; ’S gur ailleagan priseil An riomhinn ghlan, og. Chan fheil i ’n Duneideann An Sasunn no ’n Eirinn ’Gan deanadh tu geilleadh ’S na teudan an ceol. ’S oigh uasal air chinte &c. ’S bu chuideachd do righ thu A riomhinn ghlan, og. Do leadan ’na dhualaibh Tha falach do chluasan ’S a tearnadh mu d’ ghuaillibh Mar thuairnean de ’n or. S oigh uasal air chinnte &c. Cha b’ bheag a thoilinntinn Do ’n leigeadh tu pòg. Ceann aoidhean is dhislean A dh’ fhogradh gach mi-ghean; S na feumaich cha diobair An riomhainn gun gho. ’S oigh uasal air chinnte &c. Chan urra mi ’luaidh dhuibh Gach buaigh ’tha ’na coir. Tha mais’ ann at aodann A chiuireadh na daoine ’S a thairneadh gu gaol iad— ’S tearc aogas na h-oigh’. ’S oigh uasal air chinnte etc. Tha cuil anns an tir ort Oigh fhinealt’ gun phrois. Da shuil a’s glan lionadh Gun chaogadh gun fhiaradh Fo mhala na nianaig A’s ciataich ’s an Eorp. ’S oigh uasal air chinnte etc. Gheibht’ maithean na tire Gu dian air do thoir. Da ghruaidh mar an caorann Is gnuis a ta faoilidh, Slios geal mar an fhaollinn ’S cas aotrom gu leoir. ’S oigh uasal air chinnte etc. Gur alainn, deas. direach, Thu riomhinn, ghlan og. Beul meachair a mhànrain O ’n ait a thig gàire; Deud shnaidhte, gheal, chnàmha; ’S tu màlda gun sgleo. ’S oigh uasal air chinnte etc. Mar luibh ann an gàradh Tha aille na h-oigh’. Gur gile do bhràghad Na canach a chàthair. ’Toirt buaidh air gach armunn A thàras ad choir. ’S oigh uasal air chinnte etc. Mar og-shneachd an fhàsaich O d’ bhraigh’ thu gu d’ bhroig. Tha muineal gun fhailinn Os broilleach ’dh fhas alainn,— Gur samhla thu do Mhairi A bhanruinn ’bha mor. ’S oigh uasal air chinnte etc. ’S gach aite d’ an deid i Gun geill iad do ’n oigh. Tha caoin-chruth na cruinneig A cosnadh gach urrim; Gu dearbh tha thu uile De ’n chuma ’s ro bhoidhch’. ’S oigh uasal air chinnte etc. ’S math laigheas an tiod’ ort, A riomhinn ghlan, og. Chan fhaic mi a gluasad Measg bhain tighearnan uasal Te ’shealladh ach suarach Ri guallainn na h-oigh’ s’. ’S oigh uasal air chinnte etc. Do sgeimh tha do-innse A riomhinn ghlan, og. A mhairearad chaomh chaoimhneil ’S tu sgàthan gach maighdinn; ’S reul-iuil thu ’thoirt soillse Dhaibh ’dh’ oidhche ’s a lò. ’S oigh uasal air chinnte An riomhinn ghlan, og, ’Thaigh Ruadh-Shruth dà rireamh Tha ’n riomhinn ghlan, og; ’S gur ailleagan priseil An riomhinn ghlan, og. BAIS. De na Gàidheil ghasda chalma a thainig a nall á Albainn agus a shuidhich air feadh nan cearnaibh so, ’s beag an àireamh a tha ’n diugh a láthair. Air Di-haoine an 9mh latha dhe’n mhios so, dh’ imich duine còir, Calum Mac Dhomhnuill, no mar theirte ris “Calum Mòr Leòdhasach.” Rugadh e ann an Eilean Leòdhais o chionn seachd us ceithir fichead bliadhna. ’N a òige thainig e an cuideachd a phàrantan, aìr imrich dh’ an dùthaich so, a’ togail fearainn aig an Tràigh Fhada (Big Beach) far an do dh’ oibrich e gu trang a’ “cur na coille ghàbhaidh as a bonn.” Bha triùir ghillean agus còignear nighean aige, naodh-deug-ar-fhichead de dh’ oghaichean, agus seachdnar iar-oghaichean. Dh’ fhòghnadh do neach eòlal a chur air Calum Mòr gu bhi gle mheasaa air. Lan uidheamichte le sàcramaidean ns h-Eaglais, dh’ eug e ann an tigh a nighinn ann am Bàgh a Phiobaire (Piper’s Cove.) R. I. P. Chaidh gille beag Eoseph Hennessey a bhàthadh aig Bluebank, E. P. I., Di-ciaduin. Bha e mach air ràth comhla ri dithis ghillean eile, agus leum e dh’ an uisge air son snàmh gu tir, ach bha ’n t-astar tuilleadh ’s fada air a shon, ’s chaidh e fodha. Cha robh e ach tri bliadhn’ deug a dh’aois. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 49] [Vol. 4. No. 7. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 24, 1895. No. 7. Mo Chuairt Shamhraidh. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH. Dh’ fhàg mi Sìdni, ceanna-bhaile Cheap Breatunn, aig aon uair deug ’sa mhaduinn Di-haoine, an naodhamh latha deug de mhìos an iuchair. Bha gach ni mu’n MHAC-TALLA air a chur air dòigh air chor ’s gu’n deanadh an clo-bhualadair, ged nach eil facal Beurla na cheann, an gnothuch mu’n chòrr. Dh’ fhalbh an carbad na ruith ’s na leum direach mar a rinn an carbad a ghiulan “Eachunn Tirisdeach,” gu’m a buan iomradh air, eadar Glascho us Paisley, agus an deigh dha bhi air an t-siubhal fad thri uairean ri taobh cladaich ’s troimh choille, bharrachd air stad fhichead mionaid a leigeadh leis an luchd-turuis an dinnear a ghabhail aig na Narrows Mhòra, rainig e Orangedale. Bha mi chuid bu mho dhe’n ùine sin leam fhéin ann am fear dhe na carbadan, agus a chuid eile dhe’n ùine bha e agam fhéin ’s aig aon duin’ eile eadruinn, duin’ air nach robh mi eòlach, ’s ris nach robh comhradh sam bith agam. Dh’fhuirich mi ann an Orangedale car da uair a leigeadh m’ analach. Tha Orangedale ’na àite beag laghach, agus tha ’na tha fuireach ann glé mhath air an doigh. O chionn beagan bhliadhnaichean, cha robh e ach mar àite eile air an dùthaich, ach a nise o’n thainig an rathad iaruinn troimhe, tha àireamh de thighean ùra air an cur suas ann, ’s ma leanas e air fàs, cha bhi ’n ùine fada gus am bi an lùchd-àiteachaidh ag ràdh gur baile bhios ann. An sin thug mi m’ aghaidh air Hogamh, a tha astar sheachd no ochd a mhiltean á Orangedale, agus a sin sia no seachd eile de mhiltean a mach air an duthaich far an robh mi aig mo dhachaidh. Air an rathad bha againn ri dhol cha mhor ceithir-thimchioll air Beighe Hogomah, agus na’n rachadh agam air cainnt a chur an oidugh mar a théid aig moran eile, dh’ innsinn beagan mu bhoidhchead. Tha e tigh’nn am fianuis, an deigh a dhol troimh mu dha mhile de choille air nach do bhuilich nàdar ach boidhchead chuimseach, agus lochan uisge a’s maisiche cha’n eil furasd fhaighinn. Tha thu cumail air an taobh a deas dheth, Beinn nan Sgiathanach (no a’ Bheinn Mhor) air do laìmh chli, a’ direadh cho cas o’n uisge ’s nach eil an rathad-mor ach air a ghearradh as a’ bhruaich; Beinn-an-t-Sallainn air do laimh dheis air taohh eile ’n uisge, ’s a stron a’ seasamh coig ceud troigh no corr os ceann na mara; am Mullach beagan na’s fhaide air ais agus baile beag Hogamah air cùl gaoithe ’s ri aodann grèine eadar e ’s an cladach; Beinn-nan-Caimbeulach a cromadh a nuas eadar am Mullach ’sa Bheinn Mhor, agus a’ deanamh da ghleann far nach biodh ach an aon fhear, mur biodh ise far am bheil i,—Gleann-nan-Sgiathanach air an laimh dheis, agus Allta-Ròis (Roseburn) air an làimh chli. A mach ’sa bheighe, mu leathach eadar a’ Bheinn Mhòr ’s Beinn-an-t-Sallainn, tha Eilean-nan-Innseanach, mar gu’m biodh rud a chòrr ann, nach gabhadh cur air té seach té dhe na beanntan, agus a chaidh air an aobhar sin a thilgeadh a mach air a mhuir. Cha’n eil ann ach eilean beag, ’s tha e gu ire bhig fo choille, ach tha e glé bhòidheach; cha bhiodh am beighe ceart as aonais. Mu choinneamh an eilean bhig so, tha fearann nan Innseanach, far am bheil àireamh mhor de cheud luchd-àiteachaidh na dùthcha a’ deanamh an dachaidh, agus iad gle mhath air an dòigh. Tha cuid dhiubh air taighean a thogail, agus iad ’nan deagh thuathanaich; tha chuid eile dhiubh a còmhnuidh ann an campaichean, agus a’ tigh’n beò mar a bha ’n sinnsirean ’nuair a fhuair Columbus a mach America. Agus tha moran dhiubhsan aig bheil taighean a dh’ fhàgas iad deireadh gach foghair ’sa chuireas an geamhradh seachad gu blàth, seasgair ann an campaichean. Tha e glé dhoirbh leotha an t-seann dòigh a leigeadh seachad. Suas seachad air fearann nan Innseanach, agus mu mhile bho “Chrioch nan Uisgeachan” (Whycocomagh), aig ceann tri ròidean, tha Eaglais Hogomah, a tha nis o chionn dha no tri bhliadhnaichean falamh; ghabh am minister a bh’ innte roimhe sin gairm do choithional ann an Canada Uachdrach, agus cha d’fhuaras ’àite lionadh fhathast. Tha Hogomah na àite inntinneach, toilichte ri bhi fuireach ann, agus tha e deiseil gu leòr anns gach dòigh ach a thaobh rathad-iaruinn; cha’n eil e tigh’n na’s fhaisge air na Orangedale, a tha seachd no ochd de mhiltean uaithe. Chaidh rathad a ruith eadar Orangedale us Broad Cove o chionn tri bliadhna, agus bha e ri taghal ann a Hogomgh, ach ged a bha sùil ri e bhi ’g obair gach samhradh uaithe sin, cha deachaidh spaid no piocaid air fhathast. Tha e air innse gu robh dithis thuathanach, gun bhi fad o Hogomah, an deigh an treabhadh geamhraidh a dheanamh ’nuair a thainig luchd-ruith an rathaid ’sa chaidh iad le’n cuid chombaistean us shlabhruidhean troimh phios treobhaidh leis gach fear. Ghabh Iain an t-eagal gu robh ’n carbad gu bhi air a mhuinn gun dàil, agus toiseach an t-samhraidh, cha do chuir e am pios sin idir. Chuir Lachuinn an treobhadh aige fhéin mar nach cluinneadh e iomradh air rathad-iaruinn riamh. A null a’s t-fhoghar, ’nuair bha ’n t-arbhar gu bhi abuich, thachair Lachuinn us Iain air a chéile. “Chuala mi,” ars Iain, “gu’n do chuir thusa coirce ’san treobhadh air an d’thainig an rathad-iaruinn agad.” “Chuir, gu dearbh,” arsa Lachuinn, “agus ’s ann a tha ’n t-aithreachas orm nach do chuir mi fras feòir ann!” Tha Lachuinn coltach ri moran eile tha air feadh na dùthcha, cha’n eil mor dhùil aige gu’n cuir an rathad-iaruinn dragh air a chuid fearainn a cheud-treis. (Ri leantuinn.) [TD 50] [Vol. 4. No. 7. p. 2] COMHRADH EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONALADH PIOBAIRE. (Le Tormaid Mac Leoid.) CARAID GALLDA.—Buaidh ’s piseach leat ’Fhionnlaidh. Gu ma fad’ a chluicheas tu ’phìob. ’S iomadh latha o’n a chuala mi ’m port sin. Mur ’eil mi am mearachd sin a’ cheart chumha a chluich d’ athair ’s tu fhéin an là ’chuireadh do sheana mhaighstir fo’n fhòid ’an Cnoc Mhicheil. FIONNLADH PIOBAIRE.—Tha sibh ceart. Am bheil cuimhn’ agaibh-se air an latha sin? Nach ann air an dùthaich a thàinig an t-atharrachadh bho’n àm sin? C’àit’ an cruinnicheadh sibhse cuideachd an diugh cosmhuil riu-san a bha air an tòrradh? Shuidh còrr ’us ceithir fichead aig an aon bhòrd de dhaoine fiachail—sàr uaislean. Thàinig a h-uile fear dhiubh ’n a Bhìrlinn fhéin le ’ghillean ’s le ’phìobaire. Ach thàinig sgrios air tighearnan na Gàidhealtachd—dh’fhalbh iad mar shneachd a’ gheamhraidh a chaidh seachad, agus o’n là a dh’fhalbh iadsan dh’ fhalbh an tuath chothromach, agus a’ cheatharna fhoghainteach a bha ’s an tìr. Agus ged bhitheas cuid de dhaoine ’di-moladh thighearnan mòra, cha-n fhaic mi fhéin mòran rath, no sonais o’n a thàinig na tighearnan beaga, ’s na daoin’ ùra ’n an àite. Bha fasgadh fòpa, ’s bha cinneadas, bàigh, ’us càirdeas, agus cuimhne nan làithean a dh’ fhalbh a’ ceangal bhochd ’us bheairteach r’a chéile; ach thàinig froiseadh orra nach ’eil mi fhéin a’ tuigsinn. Cha-n ’eil tighean no teaghlaichean aig na h-uaislean a tha ’n ar measg a nis, a dh’ fhaodar a choimeas ri tighean fialaidh, pailt, nan daoine ’chaidh rompa. Cha-n ’eil ach spìocaireachd, agus mìodhaireachd ann an coimeas ris na bha ’n am measg ann am linn-sa: agus a h-uile aon diubh ’n a chabhaig. An saol sibhse gu dé ’s ciall da so? CAR.—Ma ta cha’n ’eil mi ro chinnteach; ach mhothaich mi o’n àm a thòisich iad air dol le’n teaghlaichean do bhailtean mòra ’an Albainn, ’s an Sasunn, ’s an dùthaich fhéin fhàgail, ’s an gnothuichean earbsa ri cileadairean Gallda nach robh mòran pisich ’n am measg. Ach cha-n fhaodar àicheadh gu-m bheil iomadh atharrachadh maith, ’s an àm cheudna ’teachd air an dùthaich. Tha tuathanachas agus giullachd fearainn air atharrachadh gu mòr chum maith. Am bheil cuimhn’ agad-sa an t-seisreach anns am biodh air a’ chuid bu lugha ceithir ghearrain—an ceannaire ’coiseachd ’an comhair a chùil le speuclair air a shròin—slat cho fada ri slat-iasgaich ’n a làimh, a glaodhaich ’s a’ bagradh, ’s a’ sgiursadh nan each, ’s duin’ eile aig sàil an treabhaiche a’ leagail an fhòid le ’chois; ’s na h-iomairean croma crotach, a nunn ’s a nall mar a chithear fhathast air achaidhean a tha air an leigeadh a mach; ach a nis tha na Gàidheil air fàs cho teòma ri feadhainn eile. FIONN.—Teòma! ’S iad a bha teòma ’am linn-sa seach mar a tha iad. Crom no dìreach mar a bha na h-iomairean bha barrachd ’s an iolainn an sin na tha innte ’nis. Dheanadh iad ’an sin a h-uile goireas air an son fhéin—an crann-treabhaidh, ’s a’ chliath chliata—gach acfhuinn a dh’ fheumadh iad—an t-sumag ’s a’ bhràid—an càrn ’s an cliabh spidrich; ach cha-n ’eil daoin òg ’s an dùthaich a nis a làimhsicheas tuagh no tàl. Dheanadh iad am brògan ’s an osain fhéin ’s an am sin. Agus air son nam ban tha’n tubaist air tighinn orra uile gu léir. Cha-n fhaicear cuigeal, no fearsaid—cha chluinnear crònan taitneach na cuibhle-bige; no srann na cuibhle-mòire—cha-n ’eil càrdadh no calanas: ’s tha ’bhuil—cha-n fhaicear drògaid, no clò, no breacan dùthcha air a h-aon diubh; agus cha-n ’eil cailleach ’s an dùthaich a rachadh do’n eaglais leis a’ chòmhdach-chinn thlachdmhor sin ris an abramaid “am Bréid;” ach a h-uile guanag eutrom leis a’ chalico luideagach—meatagan Frangach, agus stiallan fada de ribeinean na’s rìomhaiche na bha riamh air sionnsair mòr mo phìoba; agus sgàileagan beag eadar iad ’us gathan na gréine, ’n uair nach ’eil aon ghath gréine r’a fhaicinn. Fhalbh togamaid dheth. CAR.—Stad tiota beag agus innis dhomh do bharail mu’n lagh ùr so ’thugadh a stigh mu na bochdan. Nach mòr am beannachadh so do’n dùthaich seach mar a bha na gnothuichean ri linn do cheud chuimhne-sa? Nach ’eil cuid diubh a nis a’ faighinn crùin, cuid ochd tastain ’s a’ mhìos, ’an àite ma dh’ fhaoidte na sgillinn Shasunnaich a b’ àbhaist doibh; agus nach aidich thu gur maith an ni gu-m faodar so a thoirt a mach dhoibh le lagh? FIONN.—Ma ta cha’n aidich mi. An lagh grànda, Gallda, cha-n e lagh a cheanaltais ’s a’ ghràidh e, ach lagh a tha ’deanamh na feadhnach a tha ’pàigheadh gruamach, doichiollach; agus na feadhnach a tha ’g a fhaotainn gearanach, mi-thaingeil. Cha-n fhaodar a ràdh gur seirc, no carthantas idir e, ’dh’ fhàisgeas mar so o dhaoine a dh’ aindeoin an sròine, agus cha chòmhdaich duine beò orm-sa gu-m bheil bochdan na dùthcha na’s féarr dheth na bha iad fo’n t-seann dòigh; agus ’s i mo bharail fhéin gu-m bheil iad a’ cumail smachd air[?] nach ’eil ceart, no cneasda. CAR.—Nach neònach a nis, ’Fhionnlaidh, gu-n labhradh duine tuigseach cosmhuil riut-sa mar sin? Ciod a’ mhì-chneasdachd air am bheil thu ’gearan? FIONN.—Am bheil e ceart a nis, an saoil sibh fhéin, spalpaire de bhalach làidir ris an abair iad policeman, le ’chasaig ghuirm, le ’phutain gheala, le crios leathair m’a mheadhon, ’s le cuaille mòr bata ’n a làimh a bhi mar mhaor ’an déigh nam bochd ’g an cumail o iarraidh na déirce far an togair iad, air chor ’s nach ’eil comas an rathaid-mhòir aca? Agus a nis anns an dùthaich so fhéin far an robh a h-uile còmhla fosgailte ri m’ linn-sa, agus am faigheadh a h-uile dìobrach bochd de’n t-seòrsa leaba, far an rachadh a’ ghrian fodha air, tha ’chòmhla air a druideadh air a shròin, agus fliuch, fuar g’ am bi’n latha cha chluinn e ach, “air falbh ort,”—“thoir an t-Inspector ort.” CAR.—Agus nach ’eil sin ceart ma tha’n t-Inspector a’ toirt dhoibh na dh’fhòghnas? Tha mi ’rithist ag ràdh riut gu-m bheil iad a’ faighinn barrachd na fhuair iad riamh. FIONN.—Tha mìse ag ràdh ruibh-se nach ’eil. Cha-n ’eil mi ’g ràdh gu-m faigheadh iad mòran airgid roimhe; ach gu dé dheth sin? bha iad a’ faighinn ni nach ceannaicheadh airgiod—bàigh, blàs, ’us càirdeas, agus beagan de na h-uile ni a bhiodh feumail dhoibh—min, feéil, clòimh, aodach, agus iomadh trealaich eile nach urrainn domh ainmeachadh, gun tighinn air buntàta barrachd ’s a b’ urrainn doibh a ghiùlan deth. Nach ’eil cuimhn’ agaibh fhéin air Cailleach nam mogan? ’S ann oirre fhéin a bhiodh an dronnag chòir. Chruinnicheadh i le siubhal na dùthcha ’thrì uiread ’s s urrainn doibh a cheannach leis an [TD 51] [Vol. 4. No. 7. p. 3] airgiod a tha iad a’ faotainn Faic thus’ a nis. Cò as a tha ’m màl sin a tighinn ach as an allowance a tha iad a’ toirt dhoibh agus as am bheil iad cho bòsdail. Cha robh duin’ uasal no tuathanach maith ’s an dùthaich ri m’ linnsa aig nach robh bantrach, no dùile bhochd a thaobh-eigin a’ faotainn fasgaidh foidhe. Bha bothain aca gun mhál—bha iad air an tuthadh dhoibh gu seasgair—bha ’chruach bheag mhòine ’ceann an tighe—an coileach ’s an dà chirc—cead na coille air son connaidh, agus cead a’ mhonaidh air son rainich. Cuiribhse màl mu choinneamh gach ni dhiubh sin, agus innsibh an sin domh cò dhiubh ’s e lagh ùr na h-eigin na seann lagh a’ ghraidh a’s fearr. CAR.—Stad thusa ’Fhionnlaidh, cha-n ’eil an gnothuch so ach ’n a thoiseach fhathast. Tha ’mhiann orra tighean mòra ’thogail anns gach sgìreachd air son nam bochd, anns am faigh a n-hile aon a tha aonarach, lag, bochd, còmhnuidh—anns an cruinnich a h-uile aon air am bheil dìth, agus anns am faigh iad fasgadh agus dìon. Seòmar seasgair, leaba mhaith, agus a h-uile riaghailt eile ’tha feumail air son an comhfhurtachd. ’N uair a thachras so tha mi ’deanamh dheth nach bi thu fhéin a’ talach. FIONN.—Chì sin, mar thuirt an dall. Ach innsibh so dhomh. Am bi iad air an cumail a stigh o cheann gu ceann na bliadhna ’s an aitreabh mhòir so ris an abair sibh Tigh-nam-bochd—gun chomas aca dol a mach, no aig an càirdean tighinn a stigh ach mar a cheadaicheas am policeman doibh? CAR.—Tha mi ’creidsinn gur ann mar sin a bhitheas; agus bithidh obair de na h-uile seòrsa a réir ’s mar a tha comas ac’ a deanamh air a toirt doibh. FIONN.—Cha-n ’eil teagamh nach bi; ciod an seòrs’ oibre a chuireas sibh m’ an coinneamh? CAR.—Tha ’h-uile seòrsa oibre a’s urrainn doibh a réir an aois, ’s an comais a dheanamh. Bithidh cìreadh clòimhe, càrdadh, snìomh, deanamh stocainean, ’us mheatagan aig na mnathan? agus bithidh an obair fhéin aig na fir: agus cha-n fhaic mise c’ar son nach biodh iad uile riaraichte, agus toilichte. FIONN.—Toilichte ann am prìosan! ma ta tha mis’ ag ràdh ruibh gu-n sgàineadh e cridheachan mhnathan bochda ar dùthcha an cur fo ghlais ’us iuchair mar sin: agus cha-n urrainn domh fhéin a thuigsinn cia mar a smaointich iad riamh air an olc ’s air a mhaith a ghlasadh a stigh ’s an aon àite—am boirionnach ceanalta, ciallach, diadhaidh a thoilich an Tighearn’ a leigeadh gu bochdainn—le gràisg na dùthcha a’ thug a’ bhochdainn orra fhéin le misg, ’us béistealachd. CAR.—Ach nach aidich thu gu-m b’ olc an ni leigeadh le gach neo-dhuine bochd ris an abair slnn amadain, agus feadhainn air bheag céille dlùth air a bhi as am beachd, a bhi ’siubhal na dùthcha? Nach fèarr gu mòr an cur a stigh d’a leithid so de thighean far an gabhar cùram dhiubh? FIONN.—Còmhla ris gach atharrachadh a thàinig air an dùthaich, chaidh as do na daoine bochda sin coltach ris na tighearnan mòra, cha mhòr gu-m bheil a nis amadan a’ falbh ris an fhiach do dhuine seanachas a chumail. Na daoine bochda—cò nach tugadh aoidheachd dhoibh? Cò nach roinneadh an greim mu dheireadh do’n aran riù? B’ aithne dhomh cuid diubh so leis am b’ fhèarr leam suidhe air chùl gaoithe ’s air aodann gréine, no leis an sgoileir a’s àirde ’s an dùthaich. Is minic a shil mi mo dheòir ag éisdachd ri Iain amadan gaolach ag aithris Laoidh Mhic Cealair, ’s ag innseadh a sgeula neo-lochdaich fhéin—an glagaire bochd. Agus b’fhèarr leam gu mòr an duine bochd sin air an robh sibhse eòlach, Ailean-nan-con a bhi leam a’ dol troi ’n mhonadh, ’s a bhi ’g a éisdeachd a’ seanachas r’ a abhagan beaga, no cuid de na daoine mòr-chuiseach, trom-cheannach a dheanadh tàir air. Nach bu bhrònach leibh fhéin a nis na-m faiceadh sibh am policeman a’ sparradh nan daoine bochda sin do’n phrìosan air an robh sibh a’ labhairt. Togamaid dheth—tha ’Ghàidhealtachd dìreach mar a tha i, ’s cha tig an t-aon latha ’bhios i mar a bha i. Ach gheall-sibh an là mu dheireadh a dhealaich sinn ’s an àite so, barrachd de naidheachd an t-saoghail a thoirt domh. Am bheil gach cùis socraichte a nis ’an Eirinn? Am bheil na h-Eirionnaich sàmhach?* CAR.—Tha iad dìreach sàmhach mar a tha ’n luch fo spòig a’ chait. Tha leth-cheud mìlé de’n armdhearg thall, ’s cha-n ’eil a’ chridhe aca ’n cinn a thogail. Ghlacadh an fheadhainn a bha thairis orra; ach tha eagal orm gu-m bheil mòran de mhuinntir na h-Eirionn cho togarrach gu aimhreit a thogail ’s a bha iad riamh. Thàinig anabarr dhiubh a nall am bliadhna do dh’ Albainn ’s do Shasunn air son buana ’s cosnaidh. Mìle, agus air uairean dà mhìle dhiubh ’s an aon luing! FIONN.—Sin agaibh far am b’fhèairrde sinn lagh ùr air son nam béistean sin a chumail ’nan dùthaich fhéin. Nach ’eil a h-uile cèarna de ’n rìoghachd a’ ruith thairis leo? A h-uile mortair, mèirleach, ’us ceannairceach dhiubh a theicheas á Eirinn, a’ ruith a nall a thoirt cosnaidh o dhaoine bochda ’n àite. Tha mise ’g ràdh ruibh mur amhairc iad ’an déigh nan Eirionnach gu-m bi ’bhuil. CAR.—Cha-n ’eil an sin ach amaideachd. Nach buin iad do’n aon rìoghachd, nach ’eil iad fo na h-aon laghannan ruinn fhéin? Cia mar a chòrdadh e riut na-n cuireadh iad-san na Gàidheil a mach á Eirinn. FIONN.—Gabhaibh mo leth-sgeul; sin agaibh-se ’n amaideachd. Cha-n ’eil na Gàidheil a’ togairt dol do dh’ Eirinn; agus na-n rachadh iad ann, spadadh na trusdair iad air an rathad-mhòr. Tha mise ’g innseadh dhuibh gu-n bheil iad so a’ toirt cleachdainnean ùra, agus barailean ùra ’measg dhaoine ’tha oillteil ’an éisdeachd. CAR.—Cha-n ’eil a h-aon ’s an àite so cò dhiubh. FIONN.—Tha ’s gu leòir dhiubh. Cha-n ’eil duin’ air an rathad-mhor ur ach Eirionnaich: agus gu dearbh ged nach biodh ann ach an aon duine, Paddy Bowls e fhéin, tha na’s leòir ann gu mòran cron a dheanamh am measg dhaoine bochda. Fìor reubaleachd dubh; am bheil focal as a cheann ann an cuideachd air bith, ach Revolution, Revolution: agus a nis mu’n ghnothuch sin. Tha mise tairisneach do ’n Bhàn-righinn mhòir, mar a bha na daoine bho ’n d’thàinig mi, agus bu mhaith leam a’ ghlas-ghuib a chur air an trusdar an ath uair a thachras sinn. Ciod ma ta da rìreadh a’s ciall do Revolution? CAR.—Tha ni de ’n d’ fhuair na Frangaich blasad beag agus a tha nis a dhìth air na h-Eirionnaich. Riaghailtean, laghannan, ’s gnàthannan na rìoghachd uile ’thilgeil bun os ceann—léir-sgrios ’us atharrachadh a thoirt air gach ni a tha ann. (Ri leantuinn.) *Bha so ’sa bhliadhna 1848. [TD 52] [Vol. 4. No. 7. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 24, 1895. Tha na Sineich an deigh moran de na Teachdairean a bh’ aig na h-eaglaisean anns an dùthaich sin a mhort. Ghabh an sluagh fuath éigin dhaibh, agus chuir iad gu bàs iad maille ri moran de mhuinntir Shina fhéin a bha tre’n teagasg-san air tigh’n gu bhi ’g aideachadh a chreidime Chriosduidh. Tha e air a radh gu bheil Breatuinn an deigh an aghaidh a thoirt air luchd-riaghlaidh Shina, agus gu feum iadsan a tha ciontach a bhi air an cruaidh pheanasachadh. Tha e doirbh a radh ciod a dh’ fhaodas éiridh as a chùis so, oir tha na Sineich cealgach agus an-earbsach, a bharrachd air a bhi an-iochdmhor, agus cha’n e soirbh a bhi suas riutha. Tha e glé choltach gu bheil na Spàinnich a’dol a chall an greim air Cuba. Tha na ceannaircich a’ sior fhàs làidir; tha iad air fàs cho misneachail ’s gu bheil iad an deigh comh-fhlaitheachd a ghairm, agus ceann-suidhe a thaghadh. Tha làn dhùil aca bhi cuibhteas cuing na Spàinne an ùine ghoirid. Anns a’ chiad fheachd a chuir an t-ochdamh Eanruic Righ Shasuinn air falbh gus an Fhraing, bha corr agus mile Eirinneach sgeadaichte anns an fhéilidh, agus armaichte le claidhmhichean, sleaghan, agus biodagan. Bha boineid leathan ghorm air gach fear anns an fheachd Albannach a chaidh gu Sasunn fo chùram Shir Alasdair Leslie anns a’ bhliadhna 1640. Rinneadh aig an àm sin am port, “Tha na boineidean gorma a null thar nan criochan.” Fear-teagaisg Leisg. Bha searmonaiche Mahomadanach aon uair anns an Eiphit, agus b’e a dhleasnas a bhi searmonachadh do’n t-sluagh gach feasgar, ach rinn e gach oidhirp air an robh e eolach chum a dhleasnas a sheachnadh, oir bha e “cho leisg ri seann chù.” Cha robh e sona, ach ’nuair a bha e ’na laidhe fo gheugan craoibhe mòire dubharaiche. Air feasgar àraidh chaidh e a steach do’n Eaglais, anns an robh mòran sluaigh air an cruinneachadh ’ga éisdeachd. Thuirt e riu “A chlann nan dileas! am beil fios agaibh air na tha mi gu labhairt?” Fhreagair iad “Cha-n ’eil.” “Mur ’eil” ars esan “ciod am feum dòmhsa a bhi labhairt ri muinntir cho aineolach?” Le sin thionndaidh e agus chaidh e a mach as an Eaglais. Air an ath fheasgar chruinnich an sluagh mar b’àbhuist daibh; thàinig e a staigh agus chuir e a’ cheart cheisd orra. “A chlann nan dileas! am beil fios agaibh air na tha mi gu labhairt?” Bha duil aca ri searmoin fhaighinn air an fheasgar sin, agus fhreagair iad, “Tha.” “Ma ta” ars esan “cha ruig mi leas a bhi ’ga innseadh dhuibh,” agus chaidh e a mach a rithist. Air an treas feasgar chaidh e do’n Eaglais mar b’abhuist da, agus e smaoineachadh air dòigh air an searmoin a sheachnadh. ’Nuair a thàinig an sluagh a staigh, sheas e suas agus thuirt e aon uair eile. “A chlann nan dileas! am beil fios agaibh air na tha mi gu labhairt?” A nis shaoil na h-Eiphitich bhochda gu’m bitheadh iad tapaidh an turus sin, agus ghlaodh iad a mach “Tha fios aig an dara cuid, ach cha-n ’eil fios aig a’ chuid eile.” “Am beil sin mar sin” ars esan “Ma ta is fearr do’n chuid aig am beil fios, a bhi ’ga innseadh dhaibhsan aig nach ’eil.” Le òrdugh Righ Raibeart Bruis b’éiginn do gach aon de’n tuath-cheatharn aig an robh bò, bogha agus ceithir saigheadan air fhichead, no sleagh agus cota iarunn fhaighinn a chum ’s gu’m bitheadh e ullamh gus an dùthaich a dhion. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 53] [Vol. 4. No. 7. p. 5] NAIDHEACHDAN. Phòs Sir Uilleam Howland agus Mrs. Bethune ann an Toronto Dior-daoin air an t-seachdain s’a chainh. Tha esan ceithir fichead ’sa ceithir a dh’ aois, agus ise tri fichead ’sa seachd. Nach b’e na seann leannain iad! Bha chiùrt mhor ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. ’N uair a bha i ’na suidhe a’s t-samhradh cha robh na càsan uile air am feuchainn, agus ’s ann air son na bha mar sin air fhàgail seachad, a bha chùirt ’na suidhe air an turus so. Thainig duin’ òg, Uilleam Hart, ann an siorramachd Ghuysboro, ri bheatha fhéin air an t-seachdain s’a chaidh. Chroch e e-fhéin ’na rùm cadail. Bha e tinn o chionn aireamh mhiosan, agus tha iad a’ deanamh dheth gu’n do chuir a thinneas as a rian e. Thainig àireamh mhor de mhuinntir Bhaddeck air sgriob do Shidni ’s do Shidni Tuath Di-máirt s’a chaidh air an t-soitheach-smuid Marion. Bha ’n latha cho briagha ’s dh’ iarradh iad, agus an deigh dhaibh uair no dha a chur seachad a gabhail seallaidh air Sidni thill iad dhachaidh. Chaidh robairean a stigh do thigh fir F.W. Newman, ann am Montreal, oidhche Di-luain, agus ghoid iad fiach tri mile gu leth dolair ($3,500) de sheudan as. Bha Newman agus caraide dha ’nan cadal a stigh aig an am, agus thug na robairean an triubhsair aig Newman bho thaobh na leapa ’s ghoid iad ochd dolair fhichead de dh’ airgead a bha ’na pòcaid. Cha’n eil fhios cò as a bha na robairean no cò iad. Tha cuileagan grànda a deanamh call mor am measg a chruidh air feadh na dùthcha. Tha iad a’ toiseachadh ’s na h-adhaircean agus mur cuirear grabadh orra, bheir iad bàs nam beothaichean an ùine ghoirid. Tha moran cruidh air bàsachadh cheana. Cha’n eil dòigh a’s fhearr air stad a chur air na biastagan na adhaircean a chruidh a chumail air an smeuradh le tearr us olla-truisg am measg a chéile. Fhuaireadh, air an t-seachdain s’a chaidh, sgeula bàis an Urr. Mr. Mac Coinnich, a bha saoithreachadh o chionn dha no tri bhliadhnaichean ann ad Corea. Fhuair Mr Mac Coinnich a bhreith us àrach aig a Bhai-’n-Iar, far am bheil moran de chuideachd fhathast a’ comhnuidh. Bha boirionnach òg a mhuinntir Thruro a bha e gu phòsadh a deanamh deiseil gus a dhol a mach dh’an dùthaich fhad as sin ’nuair a fhuaras sgeul a bhàis. Beagan ùine air ais, chaidh duine òg air chall ann an Guelph. Ontario, agus bhatar an dùil gu’n d’ thainig e ri bheatha. Fhuaireadh a chorp o chionn ghoirid anns an acarsaid, agus rinn na dotairean a mach gu’m b’ ann air a mhort a bha e. Cha robh boinne uisge anns a sgamhan aige, mar a bhitheadh na’m b’ ann air a bhàthadh a bhiodh e. Cha d’ fhuaireadh greim air an fhear a rinn an gniomh fhathast, ’s cha mho a tha amhrus aca air duine sam bith dh’ a thaobh. O chionn mios no dha, thug duin’ òg ann a’ Halifax ionnsuidh air cur as da fhéin le puinnsean radan, a chionn nach posadh a leannan e. Le còmhnadh an dotair, co-dhiu, chaidh a ghleidheadh o’n bhas. Ghabh an nighean an t-aithreachas, gheall i a phòsadh, agus an ceann latha no dha bha iad air beulaobh a mhinisteir. Chaidh coignear ghillean òga a bháthadh aig Des Aulnais, baile beag ann an Cuibeic feasgar na Sabaid s’a chaidh. Chaidh iad a mach le báta mu cheithir uairean, agus am beul na h-oidhche, fhuaireadh an cuirp cruinn còmhladh aig a’ chladach. Cha’n eil fhios de’n sgiorradh a dh’ éirich dhaibh. Bha iad uile eadar ceithir bliadhn’ deug us ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha réis mhor seòlaidh ri bhi eadar soitheach Geanach agus soitheach Breatunnach, ann an New York air an ath mhios, a’ tòiseachadh air an t-seachdamh latha deug. Tha réis mar so aca h-uile bliadhna. Ghleidh na Geancaich a h-uile h-aon o chionn àireamh bhliadhnaichean, ach tha làn dhòchas aig na Breatunnaich gu’n coisinn iad fhéin air an turus so. Bha stoirm againn an so an deigh mheadhon-latha Di-luain. Bha uisge trom ann, agus a ghaoth a deas a séideadh gu làidir. Cha chuala sinn gu’n d’ rinneadh call mor sam bith leatha, ach gu’n robh soitheach an sud ’san so air a cur bhar a h-acair, agus beagan de chraobhan ’s de dh’ fhensichean air an leagail. Cha do lean an stoirm uile gu lèir ach mu thri uairean. Spraidh goileadair mor a bha ann an tigh-òsda an Deniver, Colorado, oidhche Di-luain s’a chaidh, agus chuireadh an tigh as a cheile agus bha mu choig duine fichead air a mharbhadh. cuid air doigh anabarrach pianail. Bha aireamh dhaoine ’s mhnathan air an tiodhlacadh anns am droighnich, agus air am mùchadh le cion analach, agus air am mùchadh le cion analach. ’S e gille òg, aois sheachd bliadhn’ deug a bha frithealadh air a ghoileadir aig an àm, agns bha e air an daoraich. Thatar a deanamh a mach gu’m b’ esan bu choireach ris a’ ghoileadair a spraidheadh, gu’n do leig e leis teas a ghabhail, agus an sin gu’n do chuir e uisge fuar ann. Chaidh duin’ òg, Eachunn Mac Gilleain, a mharbhadh le carbad a ghuail aig Port Morien, Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’na bhrakesman air a charbad, agus chaidh an carbad a chur air ghluasad tuilleadh us grad, ’ga leagail-san air an rathad, agus chaidh da chuidhle thoisich a charbaid thairis air, ’ga léonadh cho dona ’s gu’n do chaochail e am feasgar sin fhéin, an deigh pian mòr fhulang. Am fear a bha cur a’ charbaid air obair aig an àm, Mr. Evans, cha b’ e dhleasanas a bhi ann idir; bha ’m fear-inneil air falbh aisde beagan mhionaidean, agus ghabh esan na laimh fhéin e gus an tilleadh e. Tha e ri bhi air fheuchainn air son a bhi coireach ri bás an duine bhochd a chaill a bheatha. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 54] [Vol. 4. No. 7. p. 6] CO-SHUIDHEACHADH BHENUIS AGUS NA TALMHAINN. (An Gaidheal, 1873.) Air duinn cunntas a thoirt ’s an earrainn mu dheireadh, air an rèult Mercuri, on is i a’s dluithe do’n ghréin, labhraidh sinn, a nis air Bhenus, an ath reult ann an ordugh. Tha’n reul dhealrach so a’ cuairteachadh na gréine ann an cearcall a ta ochd agus tri fichead muillean de mhiltibh air astar uaipe: agus tha i a’ triall air a slighe mu thimchioll ceithir fichead mile de mhiltibh anns an uair! Tha i seachd mile agus ochd ceud de mhiltibh troipe, a’ cur car di air a mul fein ann an ceithir uairean-fichead, agus a’ criochnachadh a turuis mu’n ghrein ann an dà cheud agus ceithir latha fichead gu leth de na laithibh againn-ne, ùine a ta ’deanamh suas na bliadhna aice-se. ’S i Bhenus, de gach uile reult, a’s faigse do’n talamh againne-ne, air an aobhar sin chithear mòr agus dealrach i an coimeas ri aon air bith eile de na reultaibh. Theirear, mar a’s trice, an reult-mhaidne, agus fheasgair, rithe so. An uair a bhios i an iar air a’ ghrein, chithear anns a’ mhadainn i, agus an uair a bhios i an ear air a’ ghrein, chithear air an fheasgair i, corr agus leth-bhliadhna m’an seach!—Cha’n ’eil Bhenus a bheag ni’s lugha na’n talamh air am bheil sinne a’ gluasad, ach air di a bhi ni’s faigse do’n ghrein, tha barrachd teas agus soluis a’ bualadh oirre, na tha air an talamh! Ged nach ’eil an reult mhaiseach so, aig asuir co fad uainn-ne ris na reultaibh eile, gidheadh tha a dearrsadh agus a soilleireachd co mòr, ’s nach soirbh an ni amharc oirre leis na gloineachaibh, eadhon a’s fearr, chum gach ni a bhuineas di a chur an ceill le fior chinnteachd. Air do na cuairtibh aig Mercuri agus Bhenus, a bhi eadar an talamh agus a’ ghrian, chithear iad a’ fas agus a’ caitheamh, cosmhuil ris a’ ghealach ur! Tha na cuairtean anns am bheil iad a’ ruith, co cumhann, an coimeas ri cuairtibh nan reult eile, ’s gu’m bheil iad a ghnath air am faicinn am fagus do’n ghrein, agus air uairibh tha iad co fagus di ’s gu’m bheil a dearrsadh ’g am foluch gu h-iomlan o ’r sealladh! Labhraidh sinn, a nis, mu’n talamh, a ta ’n a reult cosmhuil riusan a dh’ ainmich sinn agus a’ siubhal mu’n cuairt do’n ghrein ann an àm suidhichte! Is ball cruinn an talamh, a ta dluth air ochd mile de mhiltibh troimhe, agus coig thar fhichead mile de mhiltibh mu’n cuairt. Tha e ’siubhal mu’n cuairt do’n ghréin ann an cearcall, a tha ceithir fichead, agus coig muillean deug de mhiltibh air astar uaipe: agus gabhaidh e tri cheud, tri fichead, agus coig laithean, agus teann air sea uairean ùine, chum aon chuairt a chur air a’ ghrein, agus tha’n uine so a deanamh suas na bliadhna againne.—Ged is bras a ta ’n talamh mar so a’ siubhal sea fichead uair ni’s luaithe na peileir gunna-mhoir gidheadh, cha’n ’eil e idir co luath ri Mercuri, a cheann nach ’eil e ’deanamh ach mu thri fichead agus ochd mile de mhìltibh anns an uair, am feadh ’s a ta Mercui ’deanamh corr agus ceud mile de mhiltibh! Tha’n talamh, mar an ceudna a’ tionndadh air a mhul fein, gach uile cheithir uaire fichead agus mar so tha ceithir uairean fichead air fad anns an latha againn-ne! Tha na nithe so uile iongantach annta fein; ach an déigh sin tha iad fior. Cha soirbh, gidheadh, le daoinìbh aineolach a thuigsinn, gu’m bheil an talamh idir a carachadh, no ’gluasad as an aon àite. Tha iad mar a’s trice ’s a’ bharail, gu’m bheil e neo-ghluasadach, am feadh ’s ta a’ ghrian, na rionnagan, agus feachd neimhe gur leir, a’ cur char diubh mu’n cuairt da!—Is iongantach leo, mar an ceudna r’a smuaineachadh, gu’m bheil an talamh so ’n a reult, a ta ’n am beachd-san, ni’s mo na aon air bith de na rionnagaibh beaga, drilinneach sin, a chithear ’n am miltibh anns na speuraibh, air oidhche shoilleir. Ach tha e fior, su’m bheil an talamh a’ gluasad air a mhul fein, gach là; agus ann an cearcall mu’n cuairt do’n ghrein, gach bliadhna; ceart mar a ta Mercuri, Bhenus, agus na reultan eile. Tha moran an duil, gu’m bheil a’ ghrian agus na reultan, a’ ruith gu luath anns na speuraibh mu’n cuairt do’n talamh, nach ’eil a’ carachadh as ’àite; ach tha iad air am mealladh an so ’n am barail ceart mar a ta iad, an uair a ghiùlainear iad seachad gu luath air luing an cois fearainn; oir an sin, tha iad an dùil, nach ’eil an long a’ carachadh; ach gu’m bheil am fearann a ruith gu grad seachad orra! Dh’ ainmich sinn a cheana, gur i a’ ghrian a’ ta toirt soluis agus teas do na reultaibh uile, agus air do’n talamh so a bhi ’na reult, tha e ’mealtuinn buannachd an t-soluis agus an teas so mar an ceudna. Tha dàrna leth na talmhainn a ghnàth air a shoillseachadh leis a’ ghréin, agus tha’n leth eile ann an dorchadas. Ach o’n tha’n talamh a’ tionndadh air a mhul fein, o’n iar gus an ear, gach uile cheithir uaire fichead, tha solus agus dorchadas a’ teachd oirnne mu’n seach, anns an ùine sin. Mar so, tha là agus oidhche a’ leanntuinn a cheile; agus an uair a ta an taobh air am bheil sinne do’n chruinne-ché, air a shoillseachadh, tha ’n taobh eile dheth ann an dorchadas. Air an aobhar sin, an uair a bhios an là ’s an Eilean Bhreatunnach, bithidh an oidhche aca ’s na h-Innsibh an aird an ear—ann an China agus ann an Australia! Tha mar an ceudna, claonadh sonraichte aig mul na talmhainn, trid am bheil solus na greine a’ bualadh aig amannaibh de’n bhliadhna, air earrainn ni’s lugha de chearnaibh tuatha na talmhainn, na aig amannaibh eile; air an aobhar sin, tha na laithean againn fada agus goirid, a reir sin. Agus feudaidh sinn a nis ainmeachadh nach ’eil na cuairtean, na cearcaill, no na slighean farsuing sin, anns am bheil na reultan a’ siubhal mu thimchioll na greine, gu h-iomlan cruinn, ach air cumadh uibhe; air an aobhar sin, tha e furast fhaicinn, an uair a ta a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon nan cuairt sin, gu’m bi na reultan a ta ’gluasad annta, ni’s faide o’n ghréin, aig amannaibh araidh de’n bhlìadhnana, na aig amannaibh eile. Ceart mar so, ma ta, tha’n talamh a’ suibhal mu thimchioll na greinne, ann an cearcall a ta ni’s mo ann am fad, na tha e ann an leud; uime sin, tha e air uairibh de’n bhliadhna fad o’n ghrein, agus air uairibh eile ni’s giorra uaipe; agus tha so maille ris a’ chlaonadh a ta ’n a mhul fein, a’ deanamh Samhraidh agus Geamhraidh, a cheann do thaobh nan astar eug-samhla a ta’n talamh o’n ghrein, nach ’eil a chearnan iomallach a’ mealtuinn a soluis agus a teas, ann an tomhas co-ionann. Tha gach cuairt agus gach caochladh dhiubh so, air am faotuinn a mach co cinnteach, agus, co eagnuidh le reulatairibh, agus air an tomhas co curamach leo, ’s gu’m bheil fios aca air a’ cheart uair agus mhionaid anns an criochnaich gach reult a turus, agus am bliadhnaichean fa leth. Gu cinnteach is iomadh innleachd a fhuair an duinne a mach. SGIATHANACH. [TD 55] [Vol. 4. No. 7. p. 7] MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. Dr. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I.O.G.T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A, J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B [TD 56] [Vol. 4. No. 7. p. 8] BIDH FONN OIRRE DAONNAN. LE BARD LOCH-NAN-EALA. LUINNEAG. Bidh fonn oirre daonnan, ’S bidh aoidh oirr’ an comhnuidh; ’S e ’dh’ fhagadh m’ inntinn aobhach, Bhi ’faicinn t’ aodainn bhoidhich, Le mheud ’s a thug mi ghaol duit, Is aotromas na h-oige, Mar a dean mi t’ fhaotuinn Chan fhad, a ghaoil, is beo mi. Chunna mise bruadar, ’Dh’ fhag luaineach an raoir mi, A ’faicinn bean mo ghaoil Ri mo thaobh fad na h-aoidhche, ’S mi ’thionndadh le solas Gu poig ’thoirt do ’n mhaighdinn, ’N duil gun robh i lamh rium Ge b’ abh’st dhomh bhi ’m aonar. Ged a bha mi ’m shuain Gum bu luath rinn mi dùsgadh’ ’N duil gun robh mo thasgidh ’Na cadal air mo chulaobh. ’Nuair ’shin mi mo lamh Gus mo ghradh tharruinn dluth dhomh, Cha robh ann ach sgaile ’Rinn m’ fhagaii ’s mi ’m dhusgadh. Marbhaisg air a ghaol Gur a claoidhteach an ni e; ’S iomadh neach ’tha ’n càs leis. ’S gu dearbh tha mi-fhin ann. Tha mo chridh’ air seargadh Is dh’ fhalbh mo thoilinntinn, ’M shuidh’ am bun na h-uchdich, ’S nach h-urra mi ’direadh. Mo dhùrachd do ’n riomhinn ’Dh’ fhag m’ inntinn-sa craiteach; Bean t’ aogasg cha leir dhomh La feille no sabaid’. Do bheusan tha ceutach Is t’ eudann ro narach; Is truagh mi ’thug gaol duit. ’S nach faod mi bhi lamh riut Troigh chruinn am broig shocair Nach dochuinn am feoirnein, Fo chalba glan, liontach, Le siod’ air a chòmhdach. Corp seang a’s math giulan, Gun lùban, gun fhòtus, Uchd geal mar an sneachda ’N am teachd air a mhointich. Deud min-gheal mar ibhridh, Beul binn a thoirt sòlais: Gruaidh dhearg mar an caorann, Is taobh mar an neoinean; Falt dualach, donn, cuachach, Mu d’ ghuaillibh an ordagh; Suil ghorm a ’s glan lainnir Fo mhala na boidhche. O furtich air mi chas-sa, A ghraidh bhan an t-saoghil; Tuig mar tha mo nadar An sàs aig do ghaol-sa. Na fag mi mar tha mi, ’Dol bas leis an fhaoineachd, ’S gur tu stadh mo riaghailt, Mo bhìadh agus m’ aodach. ’S muladach mi daonnan, Do ghaol rinnn mo leonadh; Dh’ fhalbh mo dhreach is m’ aogasg, Is chaochail mo shòlas. Chan fheil ait an deid mi Nach saoil mi le gòrich, Gu bheil mi faicinn t’ aodainn Is aoidh air an comhnuidh. Chuala tu mar tha mi, Gur bas domh as t’ aogais; Tionndidh ann am blàths rium, ’S na fàg aig an aog mi; Thig is thoir do làmh dhomh, Do ghradh is do chaoimhneas, ’S chan iarr mi tuill’ a chairdeas No shaibhreas an t-saoghil-s’. MARI DHONN THORR-A-CHAISTEIL. LE COINNEACH MAC-COINNICH. LNINNEAG. Mhair dhonn, bhoidheach, dhonn, Mhari dhonn ’s mor mo thlachd dhiot; Thoginn fonn gun bhi trom. Air nigh’nn duinn Thorr-a-Chaisteil. Gu ma slàn do ’n mhaighdinn oig A tha stolda na cleachdadh; A tha fiosrach, tairis, tlàth, Agus màranach, macant’. ’S gile na ’n sneachda do bhian, ’S fallain, sgiamhach do phearsa; Gun bhi cudromach no caol Beathail, aotrom, gun ghaiseadh. ’S ann ort fein a dh’ fhàs a ghruag ’Tha ’na dualibh gu cleachdach; Clannach, dlùth, gheibh i cliu;— Miann gach sul’ bhi ga t’ fhaicinn. Aghidh fhlathaich gun sgraing, ’S e do shealltinn ’tha taitneach; Suil chorrach fo mhala chaoil, ’S gorm air aogasg na dearcaig. ’S glan an rudhadh ’tha nad ghruaidh, Boidheach, snuadhmhor, gun ghaiseadh; Tha thu eireachdail ’s gach doigh; Co tha beo nach gabh tlachd dhiot. ’S binn leam ceileirean do bheoil ’Gabhail orain gu taitneach, Do ghuth mar smeorich ’sa choill’, ’S tric thu seinn aig a chaisteal, Bha mi greis an deas ’s an tuath, Am measg ghruagichean tlachdmhor; Ach te idir a thug bair Ort a Mhari chan fhacas. Gum faic mis’ thu aig fear og Dha ’m bi storas is pailteas, Spreidh is fearann agus fonn, ’S cridhe connmhor gun airceas. Bidh do thaigh agad le muirn Air mo chionn-s’ ann san fhasan; Ma thig mi idir ’na choir, Chan ann beo theid mi seachad. Tha do chairdean lionmhor, treun, ’Dheanadh feum’ ann sna baiteil, Frisealich bho ’n airde tuath, ’S math gu bualadh nan glas lann. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 57] [Vol. 4. No. 8. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 31, 1895. No. 8. Mo Chuairt Shamhraidh. LOCH AINSLIE. An deigh domh bhi latha no dha aig an tigh, chaidh ni gu Comanachadh Loch Ainslie. Bha so air an aonamh latha fichead dhe’n mhios. Bha ’n latha briagha, cho briagha ’sa dh’ iarradh duine, agus bha dòrlach math sluaigh cruinn agus bha iad fad na seirbheis shòluimte cho ciallach, stòlda ’s bu choltach dhaibh aig a leithid a dh’ àm. Bha na h-òrduighean air am frithealadh anns an t-seann dòigh Ghàidhealaich, a Ghàilig agus a mhor chuid dhe’n t-sluagh a muigh agus a Bheurla ’san eaglais. Bha ’n searmon Gàilig air a dheanamh leis an Urr Alasdair Grannd, Mhinistear na sgireachd, agus a Bheurla leis an Urr. Mr. Mac Aidh á Chicaga. Bha mise mar bu choltach dhomh ’san t-searmon Ghàilig. Thug Mr Grannd dhuinn searmon fileanta, pongail, dùrachdach, agus an deigh sin bha tri bùird air an riarachadh, a cheud bhòrd anns a Ghàilig le Mr. Grannd fhéin, an darra bòrd ’sa Bheurla le Mr. Mac Aidh, agus an treas bòrd anns a Ghàilig le Mr. Domhnullach, ministear Strath-Lathuirn. ’San fheasgar shearmonaich Mr. Domhnullach anns an eaglais ’sa Ghàilig. Di-luain bha Bheurla ’sa Ghàilig anns an eaglais, agus rinn Mr. Domhnullach an da shearmon. Tha e na shàr shearmonaiche agus na sgoilear math Gàilig. Tha moran de na ministearan ’nuair a tha iad ag ionnsachadh, a ni ’n uile dhichioll air iad fhéin a dheanamh coi-lionta anns a Bheurla agus anns gach foghlum eile, ach a ni tur dhearmad air a Ghàilig, a chainnt leis am bheil iad, ma dh’ fhaoite, dol a dheanamh am beòlaind. Tha cuid dhiubh aig an robh a Ghàilig moran na b’ fhearr an latha chaidh iad dh’an cholaiste ’n toiseach na bha i aca ’n latha thainig iad as. Aidichidh na h-uile nach eil so idir ceart; fhad ’sa tha ’Ghailig, no cainnt sam bith eile, na meadhon air craobh-sgaoileadh an t-soisgeil, ’s còir do theachdairean an t-soisgeil a chainnt sin a bhi aca cho math ’s is urrainn daibh. Is sgeul aoibhneach a th’ aca ri innseadh dh’ an t-sluagh, agus bu chòir dhaibh a bhi comasach air an sgeul sin a thoirt dhaibh ann am briathran eagnaidh, taitneach. Tha Mr. Domhnullach air fear dhiubhsan d’ad urrainn sin a dheanamh, agus a tha ’ga dheanamh. An deigh an t-searmoin thug e earail dhùrachdach air an t-sluagh an àm dealachadh agus an sin sgaoil an cruinneachadh. Mu’n d’fhàg mi Loch Ainslie thug mi sgriob sios ris a chladach, mi-fhein ’s fear eile, a ghabhail seallaidh air an loch, agus an deigh [?] fhuair mi cuireadh càirdeil bho Dhomhnull Mac Ille-mhaoil, sgiobair na Minnehaha, a dhol air sgriob còmhla ris gu Bun-na-h-Aimhne. Fhuair mi mar sin cothrom air sealladh math fhaotainn air an àite bho uisge ’s bho thir. Chaidh mi air bòrd a bhàta ghrinn sin aig Amhuinn nam Breac, thog sinn smùid, ’s dh’ fhalbh sinn. Gabh sinn suas direach gu Bun-na-h-Aimhne a dol seachad air an eaglais air ar laimh dheis, agus a faotainn seallaidh air an dùthaich mu’n cuairt a b’fhaich a dhol astar mor ’ga fhaicinn. Fearainn mhatha, agus taighean bòidheach ri taobh an locha, na pastair air an cùl. agus air chul sin a choille mhor gu mullach nam beann, gu ire bhig mar a bha i ceudan bliadhna mm’m facas gnùis duine ghil an taobh so dhe’n chuan mhor. Chaidh sin mar so fad naoidh nile gu bun na h-aimhne, far am bheil an loch a’ fas caol agus tana agus a’ dòrtadh a h-uisgeachan dh’ an amhuinn a tha ’gan giulan do Ghulf of St. Lawrence. Mu chairteal a mhile mu’n ruigear an t-aite ’s am bheil am bàta ’stad, tha ’n t-uisge domhain a’ fàs glé chaol, mu dha no tri leòid a bhàta, agus tha lùban ann troimh ’m bheil e doirbh gu leòr am bàta stiùireadh. Air gach taobh dhe so tha seilisteir a’ fàs, agus ’nuair a tha ’m bàta dol troimhe tha mac-talla as an t-seilisteir a co-fhreagairt do’n fhuaim a tha inneal-smuide a bhàta a’ deanamh, agus ’ga dheanamh moran na’s modha, air chor ’s gu bheil e cho math ri clach-bhalg. Tha e na fhuaim gle bhòidheach. Tha ’m bàta stad aig an drochaid a tha thairis air bun na h-aibhne; tha ’n t-uisge domhain a’ sgur mu leth-cheud slat taobh eile na drochaid. Cha d’ rinn am bàta ach stad còig no deich a mhionaidean; fhad ’s a bha ’n luchd-turuis a tigh’n dhéth ’s am mate ag iarraidh searrag uisge. Fhad sa bha iad a deanamh sin, thug mi fhéin ceum a null rathad nan stòraichean agus chaidh mi ann an seanchas ri Iain Mac Gilleain, fear de na marsantan, agus mu’n robh mi ullamh, bha’n sgiobair ag eigheach “all aboard.” Tha grunnan beag de thaighean, stòr no dha, agus ceardach, aig an drochaid, agus tha e dol fo’n ainm Scotsville. Thill mi dh’ ionnsuidh a bhàta co-dhiu ’s dh’ fhalbh sinn air ar n-ais. ’S àbhaist do’n bhàta dhol dh’an Loch Bhàn air a cuairt, ach cha cheadaichead aona chuid tim, no foighidin na feadhnach a bh’air bòrd, dha sin a dheanamh air an turus so. Faodaidh mi ràdh gu bheil ceann a tuath an locha car air chumadh gobhlaig, meur a dol an ear gu bun na h-aimhne agus meur eile an iar dh’ an Loch Bhàn. Cha d’ fhuair mi mar sin sealladh idir air an Loch Bhàn no sealladh ceart air an taobh an iar. Ghabh sinn air ar n-ais air a cheart slighe air an d’fhalbh sinn agus bha sinn aig laimhrig Amhuinn nam Breac mu thri uairean an deigh dhuinn a fàgail. Ach tha ’n clo-bhualadair ag innse dhomh gu feum mi stad, nach eil an còrr rum aige air an t-seachdain so. Thuirt mi air an t-seachdain s’a chaidh nach robh guth Beurla aige; ’se b’ àill leam a ràdh nach eil guth Gàilig aige. Ach cha n-eil mi cuibhteas Loch Ainslie fhathast. (Ri leantuinn.) [TD 58] [Vol. 4. No. 8. p. 2] COMHRADH EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONALADH PIOBAIRE. (Le Tormaid Mac Leoid.) (Air a leantuinn.) FIONN.—Agus ciod a tha dùil ac’ fhaotainn leis a’ sin ’an àite nan nithean a tha ann? CAR.—Tha dùil aca ri nithean nach bi ’s nach urrainn a bhi. FIONN.—Ro mhaith; ach ciod an seòrsa dhaoine ’s freagarraiche chum so uile ’thoirt mu’n cuairt! CAR.—Tha sgaomairean aig nach ’eil a’ bheag r’a chall—daoine dìomhain, leisg, carach, seòlta, a dh’ fhaodas éiridh ’s an aimhreit, ach nach urrainn tuiteam na’s ìsle na tha iad—feadhainn air nach ’eil eagal Dhé ’s aig nach ’eil suim do dhaoine—gun sgàth roi’ ni air bith ach an t-arm dearg agus a’ chroich—làn ainneirt, ’us foill—nach dùraichdeadh riamh saoithreachadh le fallus an gruaidhe—gun sgillinn ruadh ’n am pòca—gun a’ bheag de ’n t-saoghal a bhuineas doibh féin ach teanga shleamhainn, lùbach, bhreugach; agus casan eutrom gu teicheadh o na saighdeirean? FIONN.—Ro mhaith. Tha mi ’g ur làn thuigsinn agus ’g ur làn chreidsinn. Ach cò a bhuannaicheas ’an lorg na h-ùpraid ma thachras gu-m bi buannachd ann? CAR.—Tha gràisg na tìre—leisgeirean lunndach—mèirlich bhradach, agus slaodairean dubha nam bailtean mòra. FIONN.—Agus cò ’nis a chailleas air an ùpraid? CAR.—A h-uile aon aig am bheil a’ bheag r’a chall. FIONN.—An saoil mi fhéin ciod is ciall de “ghloir an Revolution” air am bheil Paddy Bowls so ’tighinn thairis cho tric? CAR.—Tha ùpraid agus aimlisg—losgadh ’us milleadh—dì-lagha, dì-uachdranachd, dì-cosnaidh, agus dì-creideis. Làmh gach aoin an aghaidh an fhir eile; “a h-uile aon a’ toirt sgairbh á creagan da fhéin”—a h-uile aon aig am bheil beairteas ’n a chlosaich fo na béistean so a tha mar eòin lonach ’g an riasladh mar a thogras iad: mar a thuirt esan a bha ’spùinneadh an t-Sasunnaich air blàr Sliabh-a’-chlamhain ’nuair a thàinig fear eile ’nall gu bhi ’n companas ris, “Bi falbh (ars’ esan), thoir ort, agus marbh duin’ uasal dhuit fhéin.” FIONN.—An i so gloir an Revolution air an d’ fhuair na Frangaich blasad, ’s a tha na h-Eirionnaich a nis ag iarraidh! Tha mi ’g a thuigsinn ’s ’g a làn chreidsinn. Agus ciod a tha sluagh na dùthcha ’buannachadh le atharrachadh mòr de’n t-seòrsa so? CAR.—Tha iad a’ tighinn fo mhaighstirean ùra, agus fo chuing ùir a tha deich uairean na’s tinne, agus na’s cruaidhe na na thilg iad diubh. FIONN.—Agus ciod a tha ’g éiridh dhoibh-san a thug so mu-n cuairt? CAR.—Tha mòran diubh air an cur a dhìth leis an arm dhearg—moran air an crochadh—cuid air am mort leis na companaich a bhrath iad—mòran diubh air am fògradh thar chuantan do ’n tràillealachd a’s eagalaiche; agus na gheibh as le’m beatha ’n am baigeirean bochd’, a’ mallachadh na muinntir a mheall iad, leis an do chaill iad am bothain anns an d’ fhuair iad fasgadh, agus am fearann air an do thog iad suas am mairichinn. FIONN.—Ro mhaith—Revolution! Agus ciod e ceann-crìche na cùise uile? CAR.—Tha eachdraidh an t-saoghail ag innseadh dhuinn, ’an déigh gach call ’us aimlisg, us truaighe a thachair, gu’m bheil daoine ’dùsgadh a chum an amaideachd ’fhaicinn. Tha na seann laghannan ’s na seann chleachdainnean, ’s na seann riaghailtean air an daingneachadh na’s diongmhalta na bha iad riamh. Tha gach seann ghàradh crìche air a chur suas, ’s gach bealach air a chàradh. Tha’n t-arm dearg air a’ dhùblachadh—tha cìs ùr air a togail chum costas na h-aimhreit a dhìol—tha malairt agus cinneas na rìoghachd air an cur air an ais, theagamh leth cheud bliadhna; agus cha-n fhaic an t-àl a tha ’làthair a h-uile cùis air a socrachadh mar air tùs. Sin agad smior na fìrinn. Sin na nithean air an d’ fhuair muinntir na Frainge blasad, agus sin na tha dhìth air na h-Eirionnaich. FIONN.—Gu dìreach glan. Aon cheist eile mu’n dealaich sinn. Ciod a’ chulaidh dhìon a’s fèarr an aghaidh a’ leithid so? CAR.—Tha eagal Dhé; oir mar a tha’n t-Abstol Peadar ag ràdh, “Thugaibh urram do na h-uile dhaoine, gràdhaichibh na bràithrean, biodh eagal Dhé oirbh, thugaibh urram do’n Righ.” A bhi tairisneach, dìleas do ar Bàn-righinn agus do laghannan ar dùthcha, ’bhi dìleas do ar geallaidhnean, deanadach, saoithreachail, onorach ’n ar gnothuichean saoghalta, ’s a’ chuimhneachadh do ghnàth gur e ceann crìche mhic an duine Dia a ghlòrachadh ’s a mhealtuinn gu siorruidh. FIONN.—Ma ta mo bheannachd oirbh. Nach ’eil a’ Bhàn-righinn an tràs ’n ar dùthaich? Cha b’ urraìnn i dol do dh’ Eirinn, agus tha làn fhios aice nach ’eil àite ’n a rìoghachd uile anns an coinnich i ri uiread de dh’urram, ’s de dhìlseachd ’s a choinnicheas i ann an Tìr nam Beann. Cha-n ’eil feum aice air saighdeirean dearga ’n sin; oir cha-n ’eil Gàidheal nach dòirteadh fuil a chridhe air a son na-m biodh feum air. Ciod e so ’n teaghlach a th’ aice ’nis? CAR.—Tha duil ’am fhéin gu-m bheil seisear aice. FIONN.—Mo ghalad! nach saoil mi gur ann an dé a rugadh i. Buaidh ’us piseach leatha ma ta, oir còmhla ris gach beus maith eile tha iad ag ràdh gu’m bheil gaol mor aic’ air a’ phìob. CAR.—’S ann gice ’tha! cha-n iarr i ceòl air bith a roghainn air nuallan na Pìoba-mòire. FIONN.—Bha ’latha fhéin aig a’ phìob, agus is iadsan a mhàin a bha eòlach air a nuallaich cheòlmhor ann an làithean an òige ’s urrainn a thuigsinn an cumhachd mòr a tha aice thairis air an inntinn. Chleachdadh ceòl na pìob’ ann an talla an aoibhneis ’an àm an aigheir; ’s chualas a cumha thiamhaidh ann an tighean a’ chianalais air oidhche ’bhròin. Bheothaich i laoich ghaisgeil na h-Alba gus an cath a chur le buaidh air latha ’bhlàir; agus dh’ fhàiltich i iad air an ais gu beanntan an dùthcha, ’s do ghlinn an gaoil! ’S e ceòl na pìob’ a chualas leo gu togarrach ann an òg mhaduinn an làithean; agus so an ceòl mu dheireadh a dhì-chuimhnichear ann an allaban na h-aoise. Cha-n ’eil mi ’g ràdh gur e so an ceòl a’s mìlse r’a éisdeachd ann an seòmar: cha-n ann air son an t-seòmair a rinneadh an innleachd chiùil so; ach ann an dùthaich aineoil, fad’ o thìr ar n-eòlais, c’àit’ am bheil an ceòl a [TD 59] [Vol. 4. No. 8. p. 3] dh’iadhas mu chridhe nan Gàidheal mar a ni pìob nam feadan mòra? Tha i dùsgadh cuimhne nan làithean a dh’fhalbh—a’ càradh dachaidh ar n-òige tigh ar n-athar, cruth nan co-aoisean gaolach a dh’ fhalbh, mu choinneamh ar sùl. ’S coma c’àit’ an tachair do na Gàidheil a bhith, cò dhiubh ’s ann air machraichean loisgeach nan Innsean, feadh choilltean fàs’ America, no air uchd a’ chuain mhòir, bheir sgal drùighteach na pìoba ’n an cuimhne Tìr nam Beann ’s nam Breacan—coilltean agus aibhnichean ’us creagan àrd’ an dùthcha féin—na càirdean a tha ’smaointeachadh orra, na h-òighean àillidh a tha ’g an caoidh—’s a’ mhàthair chràbhach a tha ’guidhe air an son. Cha ruig mi leas a ràdh cho liugha latha ainmeil, agus blàr nach téid air dì-chuimhn’ anns an cualas a ceòl uaibhreach a’ brosnachadh nan Gàidheal gu gniomharan treuna, ’s gu buaidh. Am bheil blàr e bha riamh cliùiteach do Bhreatunn anns nach cualas a tartarachd àrd. Seadh, ’n uair a bha gach inneal-ciùil eil’ air a chur gu tosd ’s an àr, chunnacas am pìobaire ’n a éideadh dùthchasach ann am broilleach nan gaisgeach, gus an do chailleadh a cheòl ann an caithream àrd na buaidh’; agus is minic ’an déigh dha ’bhi air a leòn gu trom, a shuidh e air a lic fhad ’s a bha ’chridhe ’bualadh a’ cur le ’cheòl misneach ann an uchd na feadhnach a bha fhathast air mhaireann, agus a’ seinn cumha a bhàis féin an uair a thuit e! Tha dòchas agam gu’n tig sibh sgrìob eil’ an rathad so mu’m fàg sibh an dùthaich. Slàn leibh ’fhir mo chridhe. “An là chì ’s nach fhaic.” COMHRADH EILE EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONNLADH PIOBAIRE. CARAID GALLDA.—Fàilt’ air Fionnladh Pìobaire. Cia mar ’tha thu? FIONNLADH PIOBAIRE.—Ma ta taing dha-san a tha ’g a fheòraich, ged nach ’eil mis’ uile gu léir a’ deanamh a mach cò e; ach stad beag—air m’ fhocal is sibh a ta’ ann, ’s mìle fàilte ’s furan oirbh. Chaillinn mo shùilean, ’s mo thuigse ’n là nach aithnichinn sibhse. Da rìreadh ’s fèarr leam fàsgadh de’r làimh na ged a gheibhinn, mar a fhuair Mac Cruimein mòr nam feadan, “Pòg o làimh an Righ.” CAR.—Air d’ athais, ’Fhionlaidh, na fàisg cho teann. Am bheil a’ mhiann ort “a’ ghlas mheur” a chluich air mo chorragan tana-sa? cha-n ’eil iad cleachdta r’a leithid. FIONN.—Tha mi ’làn-chreidsinn nach ’eil; oir is e sliobadh fuar, sleamhainn nan Gall air am bheil sibhse ’nis eòlach. Cha bu toigh leam riamh e; cia mar a tha sibh? Obh! Obh! ’s fhad’ o’n dà latha sin. ’Fheara ’s a ghaoil! shaoil leam fhéin nach coinnicheamaid gu bràth tuilleadh. CAR.—Nach cuimhne leat-sa an sean-fhocal—“Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnoic.” Am bheil do mhàla fhéin ’s màla na pìoba gu slàn? Suidhidh mi leat tamull an so air Cnoc-na-gréine, far an do shuidh sinn gu tric ’s an àm a dh’ fhalbh. B’ àillidh am feasgar samhraidh air an robh mi’n so mu dheireadh leis an fhear nach maireann ’n uair a chluich thu dhuinn “Cumha Phàra mhòir,” agus “Spaisdearachd Dhòmhnuill Ghruamaich.” FIONN.—Tha sibh ceart, ’s ann aige fhéin a bha ’n cridhe bàigheil. Tha ’n duine ùr so thàinig oirnn ’n a àite anabarrach cruaidh, gun suim de phìob no de ni eile ’bhuineas do ’n Ghàidhealtachd. Tha e air a bhreath-as le gaol nan caorach mòra. ’S taitniche leis-san spaisdearachd nam mult na aon phìobaireachd a thàinig riamh á feadan. Na ’n ainmichinn port dha ’s e ’n t-ainm a bheirinn air, “Cumha ’mhuilt mhòir” a chaidh thar na creige ’n là roimhe nach mòr nach do chuir bàinidh e. Cha tig dhomh-sa labhairt ’n a aghaidh; ach o’n a tha sibh ri bhi ’n a chuideachd cha bu mhisde leam ged a thigeadh sibh thairis air an iomairt thruaigh a th’ aige air daoine bochda na dùthcha so. Cha-n ’eil smùid tigh, no á bothan shuas anns na glinn, far am faca sibhse a’ cheatharna chòir. Bu cho maith leis tigh a thoirt do ’n t-sionnach ’s a thoirt do chreutair bochd, no do bhantraich. Cha chuala sibh riamh ni coltach ris an riasladh chianail a rinneadh air an t-sluagh a bh’ air an oighreachd so. Cha-n ’eil buachaille cruidh no chaorach aige ach coigrich. Cha tuig madadh a’ chìobair fhéin diog Ghàelic. Cha do fhreagair Mac-talla nan creag aon fhocal Gàelic o’n là a dh’ fhalbh Dòmhnull Brocair. Cha d’ fhàgadh dris air am faigh sinn smeur—no preas air am faighear cnò—tha ’n t-aoineadh cho réidh, lom, ri tulchainn an tighe. Ma ’s iad na h-àirneagan fhéin bhiodh e cho maith dhuibh dol a dh’ iarraidh dhearcan fìona riu. Theich na h-eòin do ’n choille taobh eile ’chaoil! agus ma ’s i ’Chuthag ghlas i fhéin, cha d’ fhàgadh stob air an urrainn i suidhe. Loisgeadh a’ phreasnach bhòidheach choille a bha bho cheann gu ceann de’n oighreachd so. Cha chruinnichear de chréithich na bhruicheadh poit bhuntàta, ged bhiodh i ann: agus air son caoil cha d’ fhàgadh na dheanadh mùrlag iasgaich. Ach coma co dhiubh, cha bhi sinn a’ tighinn thairis air a’ chùis na’s fhaide. Ged bhiodh barrachd ciùil ’am mèilich nan caorach mòra na ’th’ann, tha mi fhéin seachd sgìth dhiubh. Gu dé so an naidheachd a thug sibh fhéin do ’n dùthaich? Am bheil sàmhchair a nis ’s an Fhraing? ’s an deachaidh casg air an aimhreit mhòir a bha ’n am measg? CAR.—Chaidh stad oirre air an àm, ach cha-n ’eil fhios cia fhad a bhios sìth ’n am measg. ’S ann le ainneart a’ chlaidheimh, agus le h-eagal nan gunnachan mòra ’tha iad air an cumail sàmhach. Cha-n ’eil annta, ’Fhionnlaidh, ach daoine ciogailteach. FIONN.—Tha sibh ceart: sgaomairean gogaideach, gun chridhe gun eanchainn. CAR.—Cha-n ’eil fhios ’am cia mar a tha ’n cridhe, ach tha eanchainn gu leòir ’s na béistean. ’S ann is mìorbhuileach a sheas iad a mach cho fad’ an aghaidh an airm riaghailtich. FIONN.—’S e ’n gille Gallda ’s an tigh mhòr a bhios a’ leughadh nam Paipeirean dhomh-sa, agus cha tuig mi gu ro mhaith cuid de na nithean air am bi e’ tighinn thairis. Cò iad ris an can iad na National Guards? CAR.—Am bheil cuimhn’ agad mu na Volunteers a bh’ againn o cheann fhada—saighdearan dùthcha. (Ri leantuinn.) Chaidh àireamh mhor de mhuinntir man Stàitean a null a Bhreatuinn air an t-samhradh so. Thòisich iad toiseach an t-samhraidh, agus a mise tha suas ri tri fichead mile dhiubh thall, agus tha h-uile h-aon dhiubh air son tilleadh ann an September. Sin cha ’n urrainn daibh a dheanamh, oir cha’n eil de shoithichean a tigh’n thairir na bheis a nall ach mu dha mhile dheug sa mhios, agus feumaidh càch foighidin a dheanamh. Ach cha’n eil bàs duine gun ghràs duine; tha na Breatunnaich a deanamh moran airgid orra. [TD 60] [Vol. 4. No. 8. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 31, 1895. Litir o Alasdair an Ridse. Fhir-deasachaidh ghasda:—Tha mi ’toirt moran taing dhuibh air son gu’n do chlo-bhuail sibh “Eachdraidh Bliadhna Thearlaich,” anns am bheil Clann Domhnuill na Ceapaich a faotainn a chliù a choisinn iad cho daor ann am blàr Chòil-fhodair. Dhe na leubh mi riamh mu dheighinn a bhlàir sin, ’s i ’n eachdraidh so an aon sgriobhadh anns am faca mi an fhirinn air a cur sios. Bheir eachdraidhean eile a chreidsinn oirnn nach deachaidh a dhaoine dh’ an bhlàr le Mac-’Ic-Raonuill, ach a réir ’s mar thuirt Dùghall Ruadh Camaran, fear aig an robh fianuis a shùl’ air a chùis, chaidh a dhaoine sios leis, ’s cha b’ iad na meathaich iad. “’Nam b’e ‘cothrom na Féinne’ A bhiodh eadar iad féin ’s Clanna Ghall, Bhiodh eòin mhollach an t-sléibhe Gàirsinn salach air chreubhagan chàich. Air do Dhùghall Ruadh a bhi diumbach dhe’n Mhorair Shléiteach a chionn nach d’ éirich e le Tearlach, thuirt e na facail a leanas, “A Mhic Dhomhnuill gun sgoinn, ’S ann a chomhaich thu ’n fhoill; Ged a gheall thu bhi dileas, ’S ann a dhiobair thu ’n greim. Chuir thu litir do’n Fhraing ’Chuireadh Thearlaich a nall, ’S ged a fhuair thu fios-freagairt, Cha do fhreasdail thu ’n t-àm. Cha b’ ionnan ’s an laoch Bho Cheapaich nan craobh; Chaidh e sios le chuid ghaisgeach Nach robh tais air an raon. Na fir acfhuinneach, chruaidh, Bho Spiathaìn ’s bho Ruaidh, ’Chaidh a sios fo’n cheann-feachda B’ fhearr a bh’ ac’ ’san taobh tuath. Cha b’e caigneachadh lann A chuir bristeadh na’n rang, Ach frasan nam peilear Tigh’n bho theine naa Gall.” Cha robh ach beagan de Chloinn Domhnuill an làthair ann am blàr Chùl-fhodair. Cha d’ éirich am Morair Sléiteach idir le Tearlach; ’s ann a chuis e pàirt de dhaoine gu tir-mor ’na aghaidh. Agus bha Mac-’Ic-Ailein air an rathad a tighinn ’s e ’n dùil gur h-ann an ath latha bhiodh am blàr ann. So mar thuirt Iain Ruadh Stiubhart.— “Na còig brataichean sròil’ Bu mhath chuireudh an lò, Gun aon duine dhiubh ’n còir a chéile; Iarla Chromba le shlòigh, Agus Barasdal òg, ’S Mac-’Ic-Ailein le sheòid nach géilleadh.” Cha do dh’ fhan air ais á blàr Chùil-fhodair de Chloinn Domhnuill ach còig ceud de dhaoine Mhic-’Ic-Alasdair. Gun teagamh bha àrdan orra chionn an làmh dheas a thoirt bhuapa ’n la ud, ach bha aobhar eil’ aca air a chùis bu drùightiche na an t-àrdan. Mu’n àm a bha dùil ri Tearlach a bhi tighinn, chaidh Mac-’Ic-Alasdair a chur do’n Fhraing le litir gu Seumas, athair a phrionnsa, agus air a thilleadh dhachaidh chaidh a ghlacadh ’sa chur am priosan ann an Tùr Lunnuinn, far an deach a chumail gus an robh an cogadh seachad. B’e a bhràthair, Aonghas Og, bu chòirneal air réiseamaid Ghlinn-Garraidh aig an àm, ach gu mi-fhortanach, an latha ’n déigh blàr na h-Eaglaise Brice, chaidh a mharbhadh le urchair thubaistich, agus dh’ fhàg sin iad gun cheannard gus an stiùireadh. Facal no dha eile is bidh mi a’ sgur. Ann an eachdraidh “Lachuinn ’ic Thearlaich Oig,” mar a thug “Sgiathanach” seachad i, chunnaic mi far an d’thuirt e gu’n do chaochail e anns a’ bhliadhna 1734, agus gu facas, am measg uaislean eile, Alasdair Dubh Ghlinn Garraidh air a thòrradh. Chaochail Alasdair Dubh ’sa bhliadhna 1724, deich bliadhna roimh Lachuinn, agus mar sin cha ’n eil e ro choltach gu robh e air an tòrradh. ALASDAIR AN RIDSE. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 61] [Vol. 4. No. 8. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh dithis iasgairean, Frangaich, Eoseph Arsenault agus Camile Gallant, a bhàthadh aig Egmont Bay, P. E. I, an la roimhe. Tha fear Iain Walsh a fuireach aig a Bhras d’Or Bheag aig a bheil ceud agus a deich de shliochd, eadar chloinn us oghaichean us iar-oghaichean. Tha dha air fhichead de chloinn aige. Chaidh gille òg, Alasdair Doucet, a bhàthadh ann an Arichat la na Sabaid s’a chaidh. Bha e fhéin us dithis ghillean eile a mach a snàmh; bhuail greim esan agus chaidh e fodha a dh’ aindeoin na rinn cách gus a shàbhaladh. Cha robh e ach sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Chaochail tuathanach còir d’ am b’ ainm Uilleam Chambers ann an Ontario o chionn ghoirid an deigh dha aois cheud bliadhna ’sa seachd a ruigheachd. Bu sheann saighdear e, agus chog e ann am blàr Chorunna ’sa bhliadhna 1809, am blàr anns an deachaidh an ceannard treum Sir Iain Moore a mharbhadh. Tha ’n eaglais Mhethodach ri bhi air a fosgladh am màireach. Bidh seirbheis innte aig aon uair deug ’sa mhaduinn, agus aig tri uairean ’s aig seachd uairean feasgar. Chaidh mu cheithir mile dolair a chosg ’g a h-ùrachadh, agus tha i ’na h-eaglais cho briagha ’s a dh’ iarrte. Tha cuid ag radh gus h-i ’n eaglais Phròtstanach a’s briagha tha ’n Ceap Breatunn. Tha ’m bàrr anabarrach math ann am Manitoba air an fhoghar so. Fhuair an cruithneachd dathadh dhe’n reothadh air an t-seachdain s’a chaidh, ach cha d’ rinneadh milleadh a b’ fhiach air. Chaidh mu choig ceud deug de luchd-oibreach ann á Ontario o chionn ghoirid air son na buana. Rinn an t-Urr. D. M. MacEamuinn, a Oil-thigh Antigonish, céilidh bheag againn an la roimhe. Tha ’n sagart òg so a mhuinntir a Bhai-’n-Ear, agus choisinn e cliù mor dha féin le ’sgoilearachd. Tha e o chionn da bhliadhna na fhear-teagaisg anns an Oil-thigh. ’S e bu cheannard dh’ an Sgoil Ghàilig air a gheamhradh s’a chaidh; tha e glé mheasail air a Ghàilig. Bha sinn toilichte fhaicinn, agus bidh sinn toilichte fhaicinn uair sam bith eile thig e ’n rathad. Di-sathairne s’a chaidh, thaghail duine còir a stigh againn, Eachunn Mac Gilleain á Bridgetown, N. S., agus dh’ fhàg e ’ainm ’sa dholair air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA. Fhuair Mr. Mac Gilleain a bhreith us árach ann an Ceap Breatunn, agus tha moran chàirdean aige air feadh siorrachd Inbhirnis. Bha e àìreamh mhor de bhliadhnaichean ag obair air ròidean-iaruinn anns na Staitean an Iar, agus tha e nise tigh’n beò air a chuid airgid, ’s an deigh suidheachadh ann am Bridgetown. Tha e ’na dhuine mor foghainteach, agus cho Gàidhealach ri fàd mòine. Tha e ’na oifigeach ann an Comunn Chloinn Ghilleain a chuireedh air chois ann a’ Chicago o chionn da bhliadhna. Bha stoirm mhor chlachan-meallain aca ann an cearna de shionnachd Chumberland air an t-seachdain s’a chaidh. Bha cuid de na clachan, ma’s fior an sgeul, uiread ri udh circe, agus bha ’n talamh air fhalach leotha ’an àiteachan. Tha aon tuathanach ann a chaill a chuid barra gu h-iomlan, agus bhristeadh da fhichead lòsan anns na h-uinneagan aige. Chaidh seana bhean, bantrach Alasdair Shiosail, ann an Williamstown, Ontario, a losgadh gu bàs air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i fuireach còmhla ri piuthar dhi, agus bha a piuthar tinn aig an àm. Bha ise anns a chidsinn a lasadh lampa, agus ge’r bith oia mar a dh’ éirich e dhith, ghreimich an teine air a cuid aodaich, agus mu’n d’ ràinig cuideachadh, bha i air a losgadh cho dona ’s nach robh i beò ach beagan mhionaidean. Bha ’n t-Urr. Calum Caimbeal (“C. C.”) ministear Strath-Alba, E. P. I., air chuairt ghoirid ann an Ceap Breatunn. Bha e air an t-Sabaid (an 18 latha) air a Chladach a Tuath. Cha d’ fhuair e tighinn cho fada ri Sidni, ach thainig a’ bhean, a bha còmhla ris, agus tha i cur seachad seachdain còmhla ri càirdean ann an Glace Bay. Tha Mac-Talla ’guidhe “a h-uile latha sona dhaibh” le chéile. Tha sinn a cluinntinn gu bheil am coirce ’s am buntàta gu bhi glé mhath ’an Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so. Cha robh choltas orra an àm gearradh an fheoir gu’m biodh feum sam bith annta, ach thug na h-uisgeachan a thainig o’n uair sin air adhart iad gu h-anabarrach. Bidh am feur gle ghann air a gheamhadh s’a tighinn, ach ni pailteas a choirce ’s a’ bhuntàta suas an call. Faodar a radh gu bheil Ceap Breatunn air a cheart dòigh; ged a bha ’m feur bochd tha gach seòrsa bàrr eile gu bhi glé mhath. Rinn an stoirm a bh’ ann Di-domhnaich call mor air a mhuir, barrachd ’sa rinn stoirm sam bith a thainig am bliadhna. Chaidh soitheach á Port Hawkesbury, am Morning Light a bhristeadh aig Malignant Cove, an Antigonish, agus chaidh an sgiobair, Anthoni Walker, a mhuinntir Amhuinn Inhabitants a bhàthadh. Chaidh soitheach eile Lillian Linwood, as an àite cheudna air tir ann an Eileanan Mhagdalen agus a call; agus chaidh soitheach Frangach á St. Pierre air tir aig Big Lorraine, C. B., agus tha e ro choltach gu’m bi i air a call gu buileach. Chaidh soitheach eile a dh’ fhalbh le luchd guail a Sidni Tuath a chur bhar a h-acaire ann am Port Mulgrave ’sa curair tir. Cha robh an stoirm glé throm timchioll air Sidni idir, ach bha i gu math garbh ann an Glace Bay ’s am Port Morien. Freagairtean. Moran taing do “D. B.” a Maxville, Ont., agus da charaid a Dunbheagain, air son nan sgriobhaidhean a chuir iad ugainn. Tha sinn an dòchas nach fhada gus am faigh sinn rud-eigin bho pheann “D. B.” fhèin. Bidh slnn gle thoilichte an òraid a dh’ainmich “Cona” ’na litir ugainn fhaotainn, agus geallaidh sinn rùm a dheanamh dhith cho luath ’sa bhios ’nar comas. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 62] [Vol. 4. No. 8. p. 6] Oidhche Shamhna,—Alastair Mac-Clullaich. “Co so shuas air ceann mo ròpain?”— “Mise, Mac-Clullaich, am buachaille brònach” Tha ùine fhada bho’n thachair an gnothuch mu ’bheil sinn a nis ag innseadh; ach ’s eachdraidh fhirinneach i. Bu dilleachdan bochd Alastair. ’Na ’oig, dh’ fhag e tigh a mhathar, agus chaidh e air astar o’n àite ’n d’ rugadh e air tòir cosnaidh. Fhuair e so ann an sgireachd Chromba, ann an tigh tuathanaich chòir a bha ann an deagh chothrom. Fad mios no dha, bha Alastair ’na strùille balaich co troma-cheannach, lùnndach, leasg, ’s a b’ urrainnear fhaotainn an astar latha; ach cha b’fhada gus an d’fhas e lùghmhor, togarrach. Bha e coslach ri Gaidheil eile, moiteil agus cuideil. Air latha na Sàbaid, chuir e suas an t-eile beag ’s am breacan, boineid ghorm air a cheann agus biodag r’a thaobh, agus có ach Alastair! Ged bha e samhach, tuigseach, glic, grunndail, bha moran do dh’ fheala-dhà agus fearas chuideachd sàmhach ann. Bha fear-a bhaile far an robh e ’fuireach ’na dhuine ciallach, measail. Cha robh de theaghlach aige ach aon nighean—caileag bhoidheach, mhireagach, bheadarrach, aois naoi-bliadhna-déug. Bha barrachd leannan aice na aig uile mhaighdeannan na sgireachd—iomadh fleasgach eireachdail a’ suiridhe oirre, ’s ag iarraidh a làimhe am posadh. Dhiult i gach aon diubh, a tairgseadh moran taing dhoibh airson an caoimhneis agus an deagh-rùin. Thug iadsan gradh dhi, cha robh àrach ac’ air; ach bha ise suarrach mu’n déibhinn, agus cha mho bha comas aice-se air. Mu dheireadh, thuit Alastair bochd an trom-ghaol air an òigh àillidh so—seadh, Alastair, am buachaille! Cha robh comas aige air. Bha ise càirdeil, caoimhneil ris; ach cha robh amharus air bith aice gu’n robh e ’smuainteachadh oirre. Bha ’n gille bochd an gaol, ach bha e gun dòchas; ach ged a bha, cha robh e mi-shona. Bha a bhruadair, ’na chadal ’s ’na dhùsgadh, mu’n nighinn àilidh so; agus bha e sona, do bhrigh gu’n robh i mu choinneamh a shùl. Bha e modhail, cridheil, sunndach, crònan òrain do ghnàth ’na bheul. Chuir e iongantas air Lilias òig c’àit an d’fhuair e a mhodh, ’s a shuairceas, agus ’uaisle; agus c’arson a bha Alastair do freasdalach dhi féin, a’ deanamh do ghnàth mar a b’ urrainn da chum a toileachadh! ’San anmoch, ’nuair chruinnicheadh iad mu’n ghealbhan a sheanachas, shuidheadh e mu ’coinneamh, a’ beachdachadh oirre le anbharra tlachd, agus gun fhacall as a cheann. Bha Alastair, am buachaille brònach, coig bliadhna na b’oige na Lilias agus cha do smuaintich i riabh gu’n robh e an gaol oirre. Ach coma co dhiùbh, thàinig oidhche Shamhna, agus chuir so a’ chùis air a h-aghart. Chuala Alastair Lilias agus bana-chompanach eile a’ seanachas mu chleasan na Samhna, agus, am measg chàich, mu thilgeadh na ceirtle ’stigh do shùil na h-àtha. “’Saoil thu,” arsa ’bana-chompanach, “an gabh thu misneach dol do’n áth air oidhche Shamhna, agus a’ cheirtle ’thilgeadh? Tha’n àth dorcha agus uaigneach, agus is iomada sgéul a chuala mi mu thilgeadh na ceirtle.” “’Ne mise?” arsa Lilias. “Gu dearbh theid mi do’n àtha, agus tilgidh mi a’ cheirtle. ’S coma leam gach sgéul a chuala mi riabh mu na nithe sin. Feuchaidh mi, a dh’aona chuid, a’ bheil no nach ’eil firinn anns na chuala mi mu thilgeadh na ceirtle. ’S miann leam ainm m’ fhir-phòsda chluinntinn.” Bha Alastair, am buachaille, mar shaoil iadsan, ’na shuain taobh an teine; ach chual’ e mar a bhà. Air feasgar latha Samhna, dh’iarr e cead fir-a’-bhaile, an làthair Liliais, an oidhche sin a chur seachad ann am baile-monaidh a bha greis air falbh; agus fhuair e cead. Thàinig oidhche Shamhna, agus thog Alastair air, nam b’ fhior, a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-mhonaidh; ach tiota beag an déigh dha falbh, phill e gu sàmhach air ais, agus thug e ’n àth air. Streip e suas ri stuaigh an tighe, agus chaidh e stigh air an luidhear. Leig e e féin sios do shorn* na h-àtha, agus an sin shuidh e a dh’ fheitheamh gus an tigeadh a leannan. Fad uair an uaireadair, shuidh e san t-sòrn a’ feitheamh. Mu dheireadh chual’ e céum aotrom a’ tighinn; chuireadh an iuchair sa’ ghlais: dh’ fhosgladh an dorus; bha gathan na gealaich a’ soillseachadh gu fann. Mhothuich Alastair, am buachaille, co bh’ ann. Thilg i a’ cheirtle; ghlac esan i. “Co sud shuas air ceann mo ròpain?” ars ’ise le guth briste gealtach ’s ag amharc thar a gualainn air an dorus gu ruith a mach—“Co sud shuas air ceann mo ròpain?” Fhreagair guth o shùil na h-àtha, “Mise MacClullaich, am buachaille brònach.” Cha luaithe chuail’ i so na ’ghrad theich i ’mach! Chual’ Alastair tailmrich chas mu’n dorus, agus bha eagal a chridhe air gu ’m faigheadh iad a mach co bha san àth. “An cual’ thu ’bheag no mhor? arsa ’bana chompanach. “’Ne mise?” ars’ ise; “cha chuala diog,” a’ dùnadh ’s a’ glasadh an doruis, ’s a’ toirt na h-iuchrach dhachaidh. An naigheachd a’s mo air na smaointich duine riabh! Dhùineadh agus ghlaiseadh an dorus; agus bha aig Alastair, am buachaille, ri faotainn a mach mar a b’ fhèarr a b’urrainn da. Bha’n teaghlach ’n an cadal mun do phill e mar gum b’ ann o’n bhaile-mhonaidh; ach air an là-màireach chunnaic e Lilias. Bha i fuar, uaibhreach, crosda. Cha do chuir i fàilt air, ’s cha mhor gu’n do labhair i ris. Ach cha b’fhada bha i mar so. Cha do leig Alastair a’ bheag air. Chaidh bliadhna ’s bliadhna seachad. Thainig suiridhiche an déigh suiridhiche g’a h-iarraidh, ach dhiult i iad uile. Mu dheireadh, nuair bha i ceithir-bliadhna-fichead a dh’aois, tharruing i ri Alastair. Bha e nis ’na òganach eireachdail, dreachmhor, àrd, calma, foghainteach, fearail. Bha e dileas, measail, làn earbsa aig a mhaighstir anns gach ni. Dh’iarr e a làmh am pòsadh. Fhuair e so, oir bha a cridhe aige. Phòs iad, agus cha robh san tir uile càraid bu mheasaile ’s bu shona na iad. Chaochail an seann-duine—bha a’ ghabhail fhearainn aca féin; ach cha’n eil teagamh air bith nach d’thug cleachdaidhnean oidhche Shamhna am pòsadh so mu’n cuairt. *Flue. Sean Fhacail. Am fear a gleidheas a theangaidh, gleidhidh e charaid. Am fear nach bi olc na aire, cha smuainich e olc fir eile. Am fear nach gabh ’n uair a gheibh, cha ’n fhaigh ’n uair is àil. Am fear nach do thàr gu bhogha, thàr gu chlaidheamh. Am fear nach do chleachd an claidheamh, fagaidh e na dheigh e. Am fear d’an dàn a chroich cha teid gu bràth a bhàthadh. [TD 63] [Vol. 4. No. 8. p. 7] Am fear nach toigh leam, tilgidh mi mo spid air. Am fear nach éisd ris n’as olc leis, cha’n fhaic e n’ as ait leis. Am fear nach meudaich an carn, g’a meudaich e chroich. Am fear a bhios carrach ’s a bhaille so, biodh e carrach ’s a bhaill’ ud thall. An cleachd a bhios aig duine aig an tigh, bithidh e aig air cheilidh. Am fear a ni obair na àm, bhithidh e na leth thàmh. An uair a luidheas a gaoth, ’s maol gach sian. Am fear nach cunnd’ rium, cha chunndain ris. Am fear nach cluinn gu maith, cha toir a ach droch fhreagairt. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche. Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B [TD 64] [Vol. 4. No. 8. p. 8] MARI LAGHACH. LE MURCHADH RUADH NAM BO. LUINNEAG. Ho, mo Mhari laghach, ’S tu mo Mhari bhinn; Ho, mo Mhari laghach ’S tu mo Mhari ghrinn; Ho, mo Mhaii laghach, ’S tu mo Mhari bhinn; Mhari bhoidheach lurach ’Rugadh ann sna glinn, Ged is trom a’ ghaillionn, ’S ged tha ’n reodhadh ann, Ged tha ’m monadh fiadhaich, ’S ged tha ’ghrian air chall, Tha gamhnichean ri ’m bleoghann, ’S tha feoil ghobhar ’s mhang, Aran ’s im is cais’ ann, ’S cha bhi tràth oirnn gann. Mi ’m shineadh sa’ bhuthaig, Gun churam, gun sgios, Air an leaba chòinich,— Dh’ fhoghnadh i do ’n righ,— Uisge glan nam fuaran ’Na chuairteagan grinn, ’S co-dhiu ’bhios teas no fuachd ann Thig e ’n nuas ’na still. ’N uair a thig a bhealtinn, ’S am dol do na glinn, Ged robh ’n t-aran gann Bidh amhlan air da-fhillt’, Gheibh sinn gruth is uachdar, Buannachd a chruidh-laoigh, ’S loinid a chinn chuachich ’Cur mu ’n cuairt a mhig. ’N uair a thig an samhradh Bidh a choill fo bhlath, Bidh na h-Eoin a seinn A dh-oidhch’ agus a la, Gobhir agus caorich ’S an crodh-laogh le ’n àl, ’S Mari bhàn gan saodachadh Ri aodann chàrn. ’S feumail ann sa ghleann thu ’N uair thig am a bhlaiths; ’Cuartachadh nam bo ’S tu ’n comhnuidh air an sgàth. Bidh tu ’dol do’n bhuaile ’S t’ fhalt mu d’ chluais a fàs, ’Bleoghann a chruidh ghuaillfhinn, ’S bidh a chuach fo bharr. Nam biodh Seonaid la ’Chur a lamh ’san im. Peigi ris an al Is Mari mu’n chrodh-la h Bhithinn-sa cho stàtail ’Dol gn airidh leibh, ’S nach malairtinn aite, Ri fear stàta ’s tir. Thug ar n-abhachd barr Air ailleas righrean mòr; B’ annsa na na sraidean Duilleach ’s barr an fheoir, Flurichean an fhasich ’Toirt dhuinn càil is treoir, Is sruthain ghlan nan ard bheann, ’Chuireadh slaint’ ’s gach por. ’Nuair shuidheas daoin’-uaisle Mu ’n cuairt air a bhord, ’Geilteachadh ri cheile, ’S deidh ac’ bhi ri ceol. Cha n-fhaic mis’ an eis iad Airson seis da ’m beoil; Luinneag Mari chuachaich ’Tha shuas an Gleann-smeoil. Bha Murchadh Ruadh na bhanntraich nuair a rinn e ’n t-oran. Bha triuir nighean aige, Mari, Seonaid, agus Peigi; ’s i Mari bu shine. ’S e ’s docha nach robh i, ach eadar ceithear-deug ’s a coig-deug. MARI CHRUINN CHUACHACH. LE MURCHADH RUADH NAM BO. Bidh Mari ’measg nam maighdean A’s boisgeant’ an cuirt; Mar choinnil ann an coinnleir A soillseachadh buird, Mar rionnaig ann san oidhche Mar dhaoimean am buth; Mar lili air na lointean Mar neoinein fo dhruchd; Mar eal’ air uchd na mara, Mar chanach air luib; No mar ghealaig air a chuan Gun dol suas ’chum a bhuirn. Is ged a bhidhinn-s’ eolach Mu chors’ Innse Gall Eadar Ile ’s Cnoideart Is Trotairnis thall, ’S ged bheachdichinn gu geur Air gach te a tha ann, Chan fhaicinn bean do neoil, Am measg og-bhan ’san am s’. Ceol a’s binne, meoir ’s grinne, ’S beul bho ’m meachir rann; B’ anns’ a bhi ga t’ eisdeachd Na fiodhull theud ’s ceol danns.’ Bidh Mari chruinn chuachach Ga luaidh air an fheill, Bidh iorram aig daoin’ uaisl’ oirr’ ’Cur chuachan gu’m beul. Bidh baintighearnan oga Nan seomrichean fein, ’S iorram ac’ air Mari Le mànran am beil; Ceol ’s binne aig a chlann nighean Na fiodhull nan teud.— Thoginn fonn air Mari ’Cur aird air an spreidh. Thubhairt fear de choimhearsnich ri Murchadh Ruadh nach b’ urrinn e Mari a mholadh na b’ airde na rinn e. Rinn Murchadh an duanag a thug mi seachad a dhearbhadh gum b’ urrinn. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 65] [Vol. 4. No. 9. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B,, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 7, 1895. No. 9. Iomradh air mo Thuras do Cheap Breatuinn. Dh’ fhàg sinn Strathalba feasgar Diar-daoin an 15mh latha de Ogust agus thainig sinn air an oidhche sin do Charlottetown, priomh-bhaile Eilean a’ Phrionnsa. Aig seachd uairean an ath latha sheòl sinn gu Pictou far an deacha sinn air bòrd a charbaid-iaruinn a ghiulain sinn an cabhaig gu Caolas Chanso. Thug a’ Mulgrave a null air an aiseag sinn, agus aig Rudha Thupper chaidh sinn air bòrd a charbaid an Ceap Breatuinn. Bha Mac ’Illinnean còir air an stiùir, ’s ged bha sinn a siubhal mar fhiadh air fireach bha sinn ’gar faotuinn féin tearuinte a chionn gu’n robh stiùradair earbsach againn. Ràinig sinn na Narrows Mhora mu’n do laigh a ghrian. Tha drochaid air a chaolas sin a tha na h-ionghnadh do luchd-turais agus na cliù do’n mhuinntir a thog i. Dhealaich sinn an sud ris an each-iuruinn agus ghabh sinn an sin an smùid-shaothach gu Baddeck. Co bh’ air an lamhraig an sin ach Iain Mac Iomhair, sean-fhear eòlais. Sud ’na ’charbad sinn ’sa null gu Ceann-a-chòbh. Cha do thamh ’s cha do stad e gus an d’thug e sinn gu dorus Chalum ’ic Mhurchaidh Ruaidh. Cha robh éis oirnn tuilleadh. An lath-’r-na-mhàireach chuir Domhnull Mac Amhlaidh, caomhan, each ’us carbad fo’r làimh, a chum ’s gun rachadh sinn taobh air bith a b’ àil leinn. Ni b’ fhearr na sud cha b’ urrainn sinn iarraidh. ’N uair fhuair sinn inneal-giùlain duinn fhéin dh’fhalbh sinn; ’s ma dh’ fhalbh ’s fada chluinnte stairearaich nan clach, seachad an cnoc mor, a null gu St. Ann’s, agus sios an Claduch-a-Tuath. Rainig sinn Baile-nan-Gall mu thràth nòin. Fhuair sinn gabhail ruinn, mar is minig an fhuair, a tigh Aonghais Mhic Ritchi. ’Nuair leig sinn dhinn ar sgios thug Torcall an t-aiseag dhuinn, ’s cha do thàmh sinn tuilleadh gus an d’ rainig sinn manse Mhr. Friseal. B’ fhurasda dhuinn cairtealan fhaotuinn an sin an oidhche sin, ach bha tri mile fathast romhainn ma’s ruigeamaid ar ceann-uidhe. ’N uair bha ’n tea seachad thog sinn rithe. Rainig sinn an t-seann dachaidh anns a ghlòmanaich ’s a thaobh ’s nach robh sùil aca ruinn theab nach aithnicheadh iad co bh’ aca. Chum sinn greis ann an teagamh iad, ag atharrachadh ar guth mar b’ fhearr a dh’ fhaodadhmaid. ’N uair thuig iad co bh’ ann bha iad uile toilichte ar faicinn mar bha sinne iadsan. Air maduinn an ath latha chaidh sinn do’n eaglais. Shearmonaich Mr. Iain Mac Cumaraid anns a bheurla, agus thug an sgriobhadair facal do na Gàidheil nan cainnt fhéin—“a chaint a’s fearr air thalamh.” Bha Mr. Mac Cumaraid air chuairt mar bha sinn fhéin a measg a chàirdean. Bha sinn mar sin le chéile maile ri Mr. Friseal, minister na sgire, air an la ud. Thachair mar an ceudna gun robh mathair Mhr Friseil air aoidheachd an tigh a mic aig an am. Thug an comh-thional fanear gun do thachair ni nach do thachair riamh roimhe anns an sgire, agus is tearc a tha tachairt an àit air bith,—triùir mhinistearan cruinn anns an aon chùbaid agus an triùir mhàthraichean an làthair ga’n eisdeachd. ’S e ’s coltaiche nach bi an t-seathnar ud tuille cruinn ’san aon àit-aoraidh an taobhsa do’n bhàs. Anns an fheasgar thug mise facal doibh aig Baile-nan-Gall anns an da chainnt. Fhuair mi aoidheachd aig Mr Iain Mac-Ille-Mhoire Ball-Pàrlamaid. Cha bu mhac mar an t-athair e mar biodh e caoimhneil carantach. Chaidh mi air ais an oidhche sin a ris; ’s mi dh’fhaodadh ’s an gille gasda Aonghas Mac Dhomhnuill as a’ Phlaister, le a steud-each ga m’ thoirt as ’us ann. ’Nuair thainig toiseach na seachdain b’fheudar cur ma’n cuairt. Dhùraichdinn dol ni b’fhaide gu tuath. Cha b’ annasach sin; tha càirdean ’s luchd-eòlais agam ann. Ach bha Smokey eadaruinn, an t-slighe fada, agus an ùine agamsa goirid. Ged bu leisg leam e b’ eiginn tilleadh. Di-luain dh’ fhàg sinn beannachd aig na càirdean uile, ’s gu h-àraid aig ar màthair. Chuir sinn an sin ar ’n aghaidh an taobh a thàinig sinn. Bha sinn am Baddeck an oidhche sin. An lath-’r-na-mhàireach chaidh sinn gu Inlet a dh’ fhaicinn Iain Choinneich “do’m bu shuaicheant’ Cabar Feidh.” Chuir sinn oidhche seachad maille ris. Tha tigh Mhr. Mhic Coinnich air an rathad gu Hogamah.Tha iomadh àite maiseach an Ceap Breatunn, ach sealladh a’s maisiche na tha ri fhaicinn seachad Inlet, Nyanza, na Narrows bheaga, agus suas gu ceann an uisge aig Hogamah, tha e duilich fhaotuinn. Tha na Trosacks an Alba iomraiteach air son am maise. Neach air bith le ’n àill a mac-samhuil fhaicinn rachadh e suas bho Bhaddeck gu Hogamah. Air Di-ciadain chuir mi m’ aghaidh air a bhaile, ’s ràinig mi Eilean-a-Phrionnsa feasgar Diar-daoin. Dh’ fhàg mi mo bhana chompanach a’ siubhail am dhéigh, ’s cha n-eil sgeul agam oirre bho’n uair sin. Am bheil forfhais agad fhéin oirre fhir mo chridhe? Ma tha cuiridh tu fios am ionnsuidh anns a MHAC-TALLA. Sin, ma ta, iomradh goirid air mo chuairt am bliadhna do Cheap Breatuinn. Bha i dhomhsa na cuairt thaitnich gu leòr. Cha robh cron oirre ach a giorrad. C. C. Strathalba, P. E. I., Ogust 28mh ’95. Chaidh lagh a dheanamh ann an Sasuinn ’sa bhliadhne 1750 ag radh, “nach fhaodadh mnathan, aig bainis no aig féisd sam bith eile, an daorach a ghabhail idir, agus nach fhaodadh na fir a gabhail roimh naodh nairean feasgar.” Nach olc an ceartas a bh’ aig na mnathan anns na h-amannan ud! [TD 66] [Vol. 4. No. 9. p. 2] COMHRADH EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONALADH PIOBAIRE. (Le Tormaid Mac Leoid.) (Air a leantuinn.) FIONN.—Nach ann agam a tha! Nach mi fhéin a bu phìobaire dhoibh. Na daoine còire—cha-n fhaca mi fhathast air faiche, no ’n tigh-òsda na b’ fhèarr na iad fhéin ’s an oifigich air chùl buideil. Cha-n ’eil fhios ’am gu ro mhaith cia mar a sheasadh iad ’an làthair namhaid; ach coma cò dhiubh, na-m biodh feum air an leithidean an diugh bhiodh ionndrainn air na daoine tapaidh a tha iad a’ fògradh as an dùthaich. Ach innsibh so dhomh—ciod is ciall do na Barricades ud a bha iad a’ togail anns na sraidean air am bheil uiread de dh’ iomradh anns na Paipeirean? CAR.—Tha dìreach seòrsa de dhìon-fhasgadh a chum grabadh a’ chur air arm, agus a chuir iad tarsuing air gach sràid. Thog iad clachan ’us leacan a’ chabhsair agus rinn iad callaid mhòr dhiubh. Chuir iad an sin gach ni ’bu duilghe ’ghlausad na chéile—carbadan, ’us cairtean, ’us slaoid, agus sgonnan mòra fiodha, ’s a h-uile ni a b’ urrainn doibh a chruinneachadh: agus bha na nithean so air an amladh cho teann ’n a chéile ’s nach b’ urrainn am marc-shluagh deargadh orra; agus cha mhò a b’ urrainn an t-arm-coise cuimseachadh orra-san a bha air an cùl. ’Mach bho chùl nan àitean so loisg iad mòran mu-m b’ urrainnear na gunnachan mòra ’thoirt a chum an smàladh. Chaidh mòran de ’n ghràisg eagalaich so, mar an ceudna ’stigh do thighean, agus a mach air na h-uinneagan chum iad an aon dararch air an arm mar a bha iad a’ gabhail seachad. FIONN.—Tha mi ’g ur tuigsin; ach innsibh so dhomh—cia mar a fhuair a’ ghràisg so gunnachan agus cùngaidh làmhaich? Cha-n fhaod e bhith nach robh daoine cumhachdach agus àrd air cùl a’ ghnothuich mu-m b’ urrainn iad a dheanamh mar a rinn iad. CAR.—Tha thu ceart—tha sin a nis air a dhearbhadh gu soilleir gu-n robh triùir no cheathrar dhiubhsan a’ roghnaicheadh air tùs gu ’bhi thairis air an dùthaich; no mar a theirear riu ’s a’ Bheurla, Provisional Government, air ceann na h-ùpraid, ged a dh’ fheuch iad ri sèabadh as n’ uair a chunnaic iad nach deach’ e leo. FIONN—Tha dòchas agam nach robh an duine so—c’ ainm so e? (cha-n urrainn duine na h-ainmeannan mi-nàdurra a chuimhneachadh) ar leam gur latha Bealtuinn—no là—là Fhéill Màrtuinn ’n am measg; oir bha barail-mhaith agam air-san. CAR.—Tha fhios ’am cò th’ ann ad bheachd—Lamartine. Cha-n ’eil esan ’n am measg. ’S ann a tha ’n sin duine gasda, a chum sìth ’s an dùthaich fhad ’s a b’ urrainnear a dheanamh; ach an fheadhainn eile tha e air a dhearbhadh ’n an aghaidh. Cha-n ’eil fhios fhathast ciod a nithear orra. Tha ’n dùthaich uile air an àm fo smachd an airm, agus ceannardan foghainteach, gleusda thairis orra. FIONN.—’Se Boni fhéin a dh’ fhòghnadh dhoibh. ’S truagh nach robh e ann a nis. C’ ainm so ’th’air an duine ’tha thairis air an arm? Ach gu dé ’m maith dhomh-sa fheòraich ’s nach urrainn ni ’aithris a rithist. B’ usa Piobaireachd ùr nach cuala mi riamh a choimhneachadh na h-aon de nach h-ainmeannan neònach sin. CBR,—’S e ’s ainm dha Cavaignac. FIONN.—Ma ta ’s maith an t-ainm a thug iad air gun ag. Cha-n ’eil teagamh agam nach ’eil cabhag gu leòir air. Am bheil beachd a nis air an àireamh a mharbhadh air gach taobh? CAR.—A réir a h-uile cunntais a thàinig d’ ar n-ionnsuidh agus anns am faodar earbsa ’chàradh, mharbhadh air taobh luchd na ceannairc còrr ’us deich mìle, agus tha iad ag ràdh nach bu lugha ’chailleadh air an taobh eile. FIONN.—O! Ni-maith ’g ar teasraiginn! Nach b’ uamhasach an sealladh sin. Fichead mìle anns an aon bhaile! Na-n tachradh do leth-cheud a bhi air am marbhadh ’s an dùthaich againn-ne nach e ’dheanadh an fhuaim bhrònach? Ged is iomadh béist a thuit ’s an àireamh mhòr sin cha-n ’eil teagamh nach do mharbhadh iomadh duine maith: agus is iomadh bantrach bhrònach, agus dilleachdan truagh a tha ’n a lorg. CAR.—Am measg gach bàis chianail a bha ann ’s e bàs an àrd Easbuig an t-aon ’bu bhrònaiche—duine fiachail, misneachail air am bheil cliù anabarrach maith. B’ ann aìr feasgar là na Sàbaid a bha ’n éiridh a mach so—am mort ’s am marbhadh eagalach a’ dol air aghaidh; agus an uair a chual’ an duine measail so mar a bha ’chùis—gun suim de chunnart, ’s gun eagal roimh bhàs, thog e air do ’n àite far an robh an t-àr mòr a’ dol air ’aghaidh, ann an dòchas gu-n deanadh esan, mar theachdaire sìthe casg a chur air na daoine cuthaich so ’bha ’milleadh a chéile. Chuir e air éideadh an àrd Easbuig, le ’chrùn easbuigeach air a cheann, agus le ’bhachaill fhada ’n a làimh, agus le dithis de’n chléir a b’ ainmeile ’s a’ bhaile ann an deiseachan rìomhach maille ris. Chruinnich sluagh mòr mu ’n cuairt da, de mhnathan bochda, le bas-bhualadh, ’us caoineadh àrd, a thilg iad fhéin air an glùinean mar a bha e ’dol seachad orra, a’ guidhe air Dia soirbheachadh leis air an turus air an robh e ’dol. Chruinnich mòran d’a cháirdean mu’n cuairt da, ag aslachadh air gun a bheatha ’chur ’an cunnart; ach chaidh esan air ’aghaidh gu misneachail, ag ràdh, “Leigidh am buachaille maith a bheatha sìos air son a chaorach. Ni mise mo dhleasnas, éireadh dhomh mar a thogras Dia” ’N uair a ràinig e ceannard an airm ghuidh e air stad car tamuill, ann an dòchas gu’n deanadh na ceannaircich ’an ceann eile na sràid’, an ni ceudna: agus rinn iad sin car tamuill taobh air thaobh. ’N uair a chunnaic eadhon a’ ghràisg oillteil a bha ’nis air boile, esan agus a’ chléir a’ tighinn air an aghaidh, chum iad air an làimh, agus bha ’h-uile coslas gu-m biodh réite air a deanamh. Ghabh an t-àrd Easbuig gu sàmhach air ’aghaidh, agus streap e suas gu mullach na callaid: ach dìreach air a’ cheart àm sin, ’n uair a shìn an duine gaisgeil so ’mach a làmh, agus a thog e suas a bhachaill a’ dol a labhairt riu, dh’éirich iolach àrd am measg an t-sluaigh, ag ràdh gu-n robhas a’ deanamh foill orra, agus ghlaodh na mìltean a mach, “Tha sinn air ar brath!” Ghrad thòisich an aimhreit na bu mhiosa na bha i riamh. Bha ’n t-àrd Easbuig agus a’ chléir a nis eadar dha theine, ’s na peileirean a’ feadalaich seachad air. Mu dheireadh bhuail peileir e a loisgeadh air gu deimhin le cuimse a mach o uinneig, agus thuit e. Ghrad chruinnich a chàirdean m’a thimchioll, agus dh’ fheòraich e dhiubh, an robh an lot a rinn am peileir bàsmhor? “Innsibh dhomh an fhìrinn” thubhairt e, “na ceilibh a’ bheag.” “O! ’athair [TD 67] [Vol. 4. No. 9. p. 3] ghràidh,” deir aon de’n chléir, “cha-n fhaodar a chleth nach ’eil an lot bàsmhor.” “’S maith,” ars’ esan, “toil an Athar gu-n robh deanta. Na-m b’ e mo bhàs-sa an t-aon mu dheireadh a thachradh, bhithinn-sa riaraichte.” ’An déigh dha an comanachadh a ghabhail, chaochail e air an fheasgar sin féin, a’ fàgail ’n a dhéigh cliù nach caochail anns an Fhraing. Tha ’chùis air an àm seachad; ach tha ’n sluagh cho mi-thoilichte ’s a bha iad. Ma bha ’n seann righ ’s a luchd-comhairle fuathach leo, cha lugha tha ’bhuidheann ùr a thaghadh leo fhèin: agus ’s ann le ainneart a’ chlaidheimh a mhàin a tha iad air an cumail fo smachd. Tha gach prìosan ’s an Fhraing làn. Tha dhà no trì ’mhìltean air an dìteadh gu bhi air am fògradh as an dùthaich; agus tha daoine ’deanamh dheth gu-m bheil dlùth air leth-cheud mìle de ghràisg dhìomhanaich a’ falbh na dùthcha air a bhaigeireachd: a’ deanamh a h-uile eucoir a tha ’n an comas—ri goid ’us mèirle, ri mort ’us marbhadh. Chaidh stad air gach cèird’s air gach malairt—cha-n ’eil creideas, no earbsa eadar duine ’s duine—’h-uile aon aig am bheil bonn òir no airgid ’g a chleth ’s an dream aig nach ’eil, a’ bàsachadh air na rathaidean-mòra. Na mìltean a bh’ air an leòn bhàsaich iad; oir cha robh leigheas air lot nam peileirean pùinseanta a chleachdadh air an àm; ach stadaidh sinn—tha ’chùis sgreitidh r’a h-éisdeachd. FIONN.—A mhic chridhe! is sibh a dh’fhaodas na béistean a ràdh riu. Cha do bhlàthaich mo chridhe fhéin riamh ris na Frangaich. Ni-maith eadar sinn ’s iad. Ach cia mar a tha na gnothuichean a’ dol air an aghaidh ’an Eirinn? Ciod a thàinig as a’ bhòilich mhòir a bha iad a’ deanamh? CAR.—Cha-n ’eil ùin’ agam air an an àm cunntas a thoirt air staid na h-Eirionn. Ma gheibh mi ùine fenchaidh mi sin a thoirt duit mu-m fàg mi’n t-àite. Air an àm ’s maith leam e ’bhi agam r’a innseadh dhuit, gu-m bheil am maoidheadh mòr a bha na h-Eirionnaich a’ deanamh, air dol seachad. Ghlacadh a’ chuid a bu mhò dhiubh-san a bha os ceann na cùise. Tha iad a nis ’s a’ phrìosan, agus tha na daoine bochda ’bha air am mealladh leo, gun cheannard agus gun fhear-comhairle. Chaidh an gnothuch gu tur ’n an aghaidh, agus tha de dh’ arm-dearg ’s an dùthaich na smàladh na tha dh’ Eirionnaich cheannairceach ’s an “Eilean Uaine” a mach air aon sgeir. Ach innseam tuilleadh dhuit ’n a dhéigh so. FIONN.—Stadaibh dìreach aona mhionaid. Cò e ’n Dòmhnullach mòr a tha thairis air an arm-dhearg ’an Eirinn? CAR.—Tha fìor Ghiaidheal—Fear Dhalchoisnich, Ceann Loch-Raineach. FIONN.—An esan a th’ ann! ’S ann domh is aithn’ e. Ma ta gu-n deanadh Ni-maith tròcair air na h-Eirionnaich ma tha esan ’n am measg. Théid mise ’an urras nach faigh iad mòran caidreimh uaithesan mur ’eil iad tairisne ach do ’n Bhàn-righinn. Ach ’s duine tapaidh, gleusd’ e. Agus a nis an e so ceann-crìche na bòilich mhòr ’s gach bagradh eagalaich a bha na h-Eirionnaich a’ deanamh? Nach do shaoil sinne gu-n cuireadh iad Sasunn ’us Albainn fo ’n casan. ’S ann doibh a dh’ fhaodar an seann òran a ghabhail:— “Thugaibh! thugaibh! Bo! bo! bo! Paddy mòr ’us biodag air! Faicill oirbh an taobh sin thall Nach toir e ’n ceann a thiota dhibh.” Da rìreadh ’s ann aca ’tha ’n t-aobhar nàire ’an déigh gach séidrich, ’s gach glaodhaich a rinn iad. Chuir iad ’am cuimhne an sean-fhocal, “Beinn Nibheis mhòr a’ glaodhaich ’n a luidh-shiùbhladh, ’s cha d’thàinig aside ach an luchag-fheòir.” O nach i Sasunn fhéin an dùthaich, agus Breatunn rìoghachd an àigh! Gu-n caisgeadh am Freasdal gach aon, a tha ’g iarraidh laghannan, agus riaghailtean maith’ ar dùthcha ’chur bun os ceann. Na burraidhean? Gu dé an t-saors’ a dh’iarradh duine maith air bith nach faigh e, mur iarr e cead mort ’us marbhaidh, spùinnidh ’us reubainn? ’S iomadh atharrachadh a chunnaic mi ’m latha; ach tha dòchas agam nach tig an là ’chì mi a’ ghràisg an uachdar—“a’ bhéist a’s motha ’g itheadh na béist a’s lugha, ’s a’ bheist a’s lugha ’deanamh mar a dh’fhaodas i.” Am bheil cuimhn’ agaibh-se an deach slàinte mhòr a b’ àbhaist duinn òl ’an àm nan Volunteers;—“Buaidh le Breatunn fhad ’s a shéideas gaoth r’a stùcan!” CAR.—Ma ta mar sin. Cha-n ìoghnadh ged a ghuidheamaid buaidh le Breatunn—an t-eilean sin air son an d’ rinn freasdal Dhé na h-uiread. Cha-n ’eil grian nan speur, ’n a cuairt mu-n t-saoghal mhòr, a’ dealradh air rìoghachd eile cho sona. Ged nach eil ann am Breatunn ach sgeir bheag a tha duilich a chomharrachadh ann an dealbh an t-saoghail, gidheadh nach ’eil i ’suidhe mar Bhàn-righinn thairis air rioghachdan an domhain? Nach ’eil a luinges air gach cuan?—a bratach a’ snàmh air gach gaoith?—a malairt a’ ruigheachd cèaran iomallach an domhain?—fuaim a gunnachan mòra r’a chluinntinn air gach cladach air am bheil tonn a’ bristeadh?—’n an culaidh dhìon do na rìoghachdan a’s laige?—’s ’n an culaidh uamhais dhoibh-san a dh’iarradh a milleadh? Nach uaibhreach a bratach dhearg a chuir fad mìle bliadhna gu’n dùlan gach doinionn agus gach blàr? Cha do bhuadhaich fhathast innleachd, no inneal cath ’an aghaidh Bhreatuinn; agus fhad ’s a sheasas ise dìleas Dha-san a tha ’deanamh feum dh’i ’nis—d’a càbhlaichean agus d’a malairt—’chum soisgeul Chriosd a dheanamh aithnichte do’n t-saoghal ’s do na muilleinean do-àireamh a tha ’nis fo a smachd, cha-n eagal d’i. Esan a dhìon i thuige so, seasaidh e fhathast i; agus tha dòchas agam ’Fhionnlaidh ’an déigh dhuit-s’ agus dhomh-sa, agus do ’n àl a tha ’nis beò ’bhi fo ’n fhòid gu-m bi Breatunn an sin, mar a tha i an diugh, na ceann-feadhna treun am measg nan rìoghachdan. FIONN.—Ma ta ’fhir mo chridhe, mar sin bitheadh e. Slàn leibh. “An là ’chì ’s nach fhaic.’ Bha Ghearmailt air an t-seachdain so le moran othail us greadhnachais a cumail co-ainm an latha air an d’ thug i buaidh air an Fhraing anns a chogadh fhuilteach a bh’ eatorra còig bliadhna fichead air ais. Bha na Frangaich ag amharc orra ’s ag éisdeachd riutha, ag at le feirg, ach chaidh na Gearmailtich air adhart mar nach biodh faireachdain aig duine ’sa chùis ach iad fhéin. Chaill a’ Fhraing gu dona ’sa chogadh ud, ged bu mhath an airidh air dòigh, oir ’si fhéin a thòisich. Bha i cur roimpe gach bliadhna ’n deigh sin a bhi suas ris a Ghearmailt fhathast, ach tha i ’n diugh na’s fhaide uaithe sin na bha i riamh, agus ’s ann a dol na’s fhior fhaide uaithe tha i. [TD 68] [Vol. 4. No. 9. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 7, 1895. Strath-Alba, E. P. I. Bha Iubili coi-thional Strath-Alba, mar is fios d’ar luchd-leughaidh cheana air a cumail air an treas latha de dh’ Iulaidh. Fhuair sìnn o chionn ghoirid leabhran beag a tha toirt mion chùnntas air an latha, agus gu dearbh bu latha aoibhneach e. Bha òraidean fiachail air an liubhairt agus bha na seirbheisean uile ro thaitneach. Leugh an t-Onarach A. B. Mac Coinnich paipear fada mu eachdraidh a choithionail re nan leth-cheud bliadhna chaidh seachad, agus bha òraid eile le ann an Gàilig ’s am Beurla air a toirt Seumas Domhnullach á Charlottetown. Bha moran de dh’ òraidean goirid air an deanamh, agus thugadh an latha gu crich le searmon o’n Urr Alasdair Sutharlan, á Ripley, Ont., a cheud mhinistear a bha ’sa choi-thional leth-cheud bliadhna air ais! Mar a thuirt neach a bha làthair ruinn, cha robh cron sam bith air an latha ud ach nach robh e na b’fhaide. Bi cuimhne air fad iomadh latha ’s bliadhna ann an sgireachd Strath-Alba, agus anns na sgireachdan mu’n cuairt. Tha Breatuinn an deigh àireamh de shoirthichean-cogaidh a chur dh’ an Tuirc, air son toirt air an t-Sultan casg a chur air a mhort ’sair a mharbhadh a tha chuid airm a’ deanamh ann an Armenia. Ch’n eil teagamh nach toir sin air an t-seann fhear-fòirneirt sin tigh’n gu thùr, ’s gu’n dean e stad a chur air an obair bhrùideil a tha air leantuinn tuilleadh us fada cheana. Sean Fhacail. A thais an darna cuir air a’ char eile. Aithghearr an tàilleir dhuibh o ’n taobh tuath—mu’n cuairt an saoghal. Ardan na poite bige, cha tig e seach an luath. An uaisla ’ga cumail suas a dh’ aindeoin. An uair ’thig an samhradh, togaidh sinn tigh; thig an samhradh ’s cha tog tigh no tigh,—’s fhearr a bhi muigh na bhi stigh. An uair a theid na mèirlich a throd, thig daoin’ ionraic gu ’n cuid. An uair a theid bior ’s an losgainn, ni i sgriach. An uair a’s lugha ’n naigheachd, ’s ann a’s mo an t-sith. An uair a theid a chailleach ’na ruith, theid i ’na deann-ruith. An uair a bhios rud a dhith air Domhnull, gheobh e fhéin e. Fàinne mu’n mhiar, ’s gun snàithne mu’n mhàs. “Falbhaidh mise ’màireach,” ars an righ. “Fanaidh tu riumsa,” ars a’ ghaoth. Faodaidh duine sam bith gàir a dheanamh air cnoc. Is olc an obair latha nach toir duine gu cala ’san oidhche. Tha muinntir Newfoundland a’ togail rathaid-iaruinn eadar an ceanna-bhaile, St. John’s, us Bay of Islands an taobh so dhe’n eilean. Tha na Frangaich a feuchainn ri bacadh a chur orra; tha iad ag radh gur a leothasam an cladach anns a’ chearna sin, agus nach fhaodar rathad-iaruinn no dad sam bith eile chur troimhe gun an cead. ’Nuair a thng na Frangaich an t-eilean suas do Bhreatuinn, fhuair iad còir air a bhi ’g iasgach air a’ chladach ud, agus tha iad a nise air fas cho ladarna ’s gu bheil iad ag agairt còir iomlan air. Cha’n eil fhios ciod a tha Breatuinn a’ dol a dheanamh a thaobh na cùis ach cha bhi fada gus am feum i rud-eigin a dheanamh air son a còireachan fhéin a ghleidheadh. Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean nachdair fhan, deacaidean agus cheòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain. Chaidh bàta thairis ann an Corunna, Ont., an la roimhe, agus bha na bh’ ann, duine agus triùir bhoirionnach air am bàthadh. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 69] [Vol. 4. No. 9. p. 5] NAIDHEACHDAN. Ged nach eil guth no iomradh air a Cholera ann an America air an fhoghar so, tha i ri sgath uamhasach ann an Sìna. Tha e air innse gu ’n do chaochail da fhichead mile leis a’ ghalair mhosach sin ann am Pekin air a mhios a dh’fhalbh. Chaidh ceud us naodh tiodhlacadh a dheanamh ann a’ Halifax air a mhios a chaidh seachad, barrachd ’sa chaidh a dheanamh mios sam bith eile re na bliadhna. Bu phàisdean òga roinn mhath dhiubh; ’se sin a dh’ fhàg an aireamh cho mòr. Chaidh duine ghoirteachadh gu dona ann an Glace Bay aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air mullach na h-eaglais ùir a thatar a’ togail, agus chaill e ’ghreim ’s thuit e sios da fhichead troidh, a bualadh gu h-iosal air barailte. Tha choltas air gu’n tig e uaithe; ’s ann a tha e ionga tach nach deach a mharbhadh. Dh’ fhosgail a’ sgoil anns a’ bhaile so Di-màirt. Tha ’n Ard Sgoil air a cur ann an deagh uidheam air son a gheamhraidh, gach ni air a dheanamh cho comhartail ’sa dh’ iarradh duine. Tha ’n tigh gu bhi air a bhlàthachadh le uisge teth a ruith troimh phioban, rud a bhios fad air thoiseach air na seann stòbhaichean. Cha’n eil teagamh nach bi àireamh mhor de dh’ fhoghlumaichean anns a’ sgoil am bliadhna. Tha moran de dhaoin’ òga a’ bhaile so ’s na dùthcha mu’n cuairt air an t-seachdain so ag ionnsachadh na saighdearachd. Chaidh iad dh’an champa air Rudha nam Barracks Di-màirt, agus bidh iad ann gu ceann ochd latha. B’ àbhaist daibh a bhi ann da latha dheug, ach chunnaic an luchd-riaghlaidh iomchuidh ceithir latha ghearradh dheth. Cha bhi iad mar sin ach a tòiseachadh air an obair a thuigsinn ’sa dheanamh gu math ’nuair a chuirear m’a sgaoil iad. Tha crann-treabhaidh iaruinn aig Alasdair Domhnullach, ann am Mira Gut, a tha còrr math us ceud bliadhna dh’aois. Thugadh a mall á Alba e le ’athair o chionn córr us leth-cheud bliadhna, agus bha e ag obair fad thri fichead bliadhna roimhe sìn. Tha e ’tionndadh na talmhain leis na h-uile bliadhna, agus tha choltas air nach teirig e gu ceann iomadh bliadhn’ eile. ’N am biodh bruidhinn aig a chrann nach iomadh sgeul a rachadh aig air innse air na thachair ri ’linn ’san t-seann dùthaich agus anns an dùthaich ùir. Freagairtean. Gu ma slàn do Mhac Ille Dhuibh a chuir ugainn na paipearan á Siam, agus do chàirdean eile chuir paipearan ugainn á dùthchannan eile. A h-uile latha sona dhaibh. Fhuair sinn a Lunnuinn dealbh a chlass Ghailig, agus gu dearbh ’s ann dhaibh féin a bu chòir an dealbh a tharuinn; ’s gasda chuideachd iad. Tha ar càirdean “Cabar Féidh,” “Domhnull Piobaire” agus triùir no cheathrar eile dhiubh air an éideadh anns an deise Ghàidhealaich. Gu’m a slàn dhaibh uile, ’s piseach air a Chlas Ghàilig. Chithear ann an àit eile tairgse tha sinn a toirt dhaibh-san a gheobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA, Bu mhath leinn air an fhoghar so àireamh ar luchd-leughaidh a dhùblachadh, agus tha fhios againn gu’n gabh sin deanamh ma ni gach duine tha ’ga ghabhail an drafda ar cuideachadh. Feuchadh gach aon dhiubh ri fear-gabhail ùr no dha, no tri, fhaighinn agus cha bhi fada gus am bi MAC-TALLA suas a bhruthach. Chaidh nighean bheag faisg air bail’ Inbhirnis, an Alba, a lot le coinnsbeach o chionn ghoirid, agus ged a bha dotair air a thoirt g’a h-ionnsuidh gun dàil chochail i. Chaidh an sabhal aig fear Dà’idh Brodrick, anns a Bhras d’Or Bheag a losgadh oidhche air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh gach ni a fha ’na bhroinn a losgadh, feur, arbhar, uidheaman tuathanachais, agus tri laoigh. Thatar a deanamh a mach gu’n deachaidh a chur ’na theine, ach cha ’n eil fhios co rinn e. Tha sinn a feuchainn ri cho beag ’s is urrainn duinn a radh a thaobh pàigheadh a phaipear, ’s tha sinn an dòchas nach gabh aon sam bith am brath air sin, ach gu’n cuir gach aon a dholair air adhart cho luath ’sa bhios ùine snas, no cho luath ’na dheigh sin ’sa bhios ’na chomas. Cha ’n eil àm dhe’n bhliadhna nach bi feum againn air airgead, agus glé thric bidh feum againn air barrachd ’sa bhios sinn a’ faotainn. Tha sinn an dòchas nach bi againn ri bhi toirt iomradh air pàigheadh ach glé ainneamh an deigh so; mar a’s lugha bhios againn ri ràdh uine ’s ann a’s fhearr a chòrdas e ruinn. POSAIDHEAN. Air an 27 de dh’ Ogust, leis an Urr. D. Drummond, W. H. Dunlap us Johonna, nighean Iain Dhomhnullaich (á Sidni Mines) le chéile a mhuinntir New Campbelton. BAIS. Ann am Malagawatch, air an 16 latha de dh’ Ogust, Alasdair N. Mac Faidein, 24 bliadhna a dh’ aois. Bha e ’na dhuin’ òg, gealltanach, fo dheagh chliù agus measail aig na h-uile. Bha e tinn o chionn ochd miosan deuga. Ann an St. Stephen, N. B., air an 22 latha de dh’ Ogust, pàisde-nighin le Domhnull H. Mac Fhearghais, aois ochd miosan. ’Se so an treas duine cloinne a chaochail air an taobh a stigh de dha bhliadhna. Chaochail roimhe so, gille ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus nighean bheag, aois ochd bliadhna. Bidh a chairdean, a tha timchioll air a bhaile so duilich an sgeul so a chluinntinn. Aig Blue’s Mills, an 25 de Ogust, Caitriona Nic Cuish, 72 bliadhna, dh’ aois. Aig an aite cheudna, an 27 de Ogust, Iain Moireastan, Mac Chalum, 76 bliadhna dh’ aois. Aig Gleann-comhain, an 18 de Ogust, Iain Mac Asguill, 80 bliadhna dh’ aois. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 70] [Vol. 4. No. 9. p. 6] Cuir thu Fhein ’nan Aite-sa. “Cha ’n urrainn domh feitheamh ni’s fhaide. Feumaidh mi mo chuid airgid fhaotainn, agus mur urrainn dhuitse phàigheadh, feumaidh mi an t-àite agad a reic,” arsa Mr. Blair, an duine bu bheairtiche ’san sgireachd, ri Deòrsa Mac Leoid, duine bochd aig thu sin,” arsa Deòrsa, “falbhaidh an an robh ri bheòlaind a dheanamh mar a dh’ fhaodh e le obair. “Ma ni t-áite air moran na’s lugha nà’s fhiach e, agus bidh mise ’s mo theaghlach air ar fàgail gun dachaidh, an deigh gach dichioll a rinn mi air an dachaidh sin a dheanamh. Tha e cruaidh, cruaidh. B’fhearr leam gu robh agad ri do chuid airgid a chosnadh mar tha mise cosnadh mo chuid-sa; bhiodh aithne agad an uair sin air crannchur an duine bhochd. Na’m b’ urrainn dhuit thu fhéin a chur na’m àite-sa ùine ghoirid, ’si mo bharail gu’m biodh beagan truais agad rium.” “Cha-n eil feum a bhi buidhinn,”—arsa Mr. Blair; “thug mi bliadhna dàil dhuit cheana, ’s cha toir mi ’n còrr dhuit,” ’s thionndaidh e ris a bhòrd ’s thòisich e air sgriobhadh. Dh’ éirich an duine ’s chaidh e mach ag osnaich gu muladach. Bha e direach air faotainn thairis air droch thinneas a ghabh e, ’s a chum e o chosnadh, air chor ’s nach robh ’na chomas an earrann mu dheireadh dhe’n airgead a phàigheadh. Gun teagamh thug Mr Blair dail bliadhna dha ’nuair a bha tinneas ’na theaghlach, agus bha e fada ’na chomain air son sin. Air a’ bhliadhna sin bha a air an leabaaidh fad sheachd miosan, agus am beagan a choisinn e ’chuid eile dhe’n bhliadhna, cha robh ann ach gann na chumadh a theaghlach dha. Chum sin e am bliadhna cho eu-comasach air an t-airgead a phàigheadh ’sa bha e an uiridh, agus a nise bha e gu bhi gun tigh gun dachaidh, agus dh’ fheumadh e tòiseachadh as ùr. Bha e gle throm air. An deigh dha tigh Mhr. Blair fhàgail, cha b’ urrainn d’an duine sin briathran Dheòrsa chur as a chuimhne “B’ fhearr leam gu robh agad ri do chuid airgid a chosnadh mar a tha mise cosnadh mo chuid-sa.” Ann an teis-meadhon a chùnntais, thigeadh na facail, “Cuir thu fhéin ’nam àite-sa” a stigh air, ’s chuireadh iad air aimhreit e. An deigh do na facail sin ruith troimh ’inntinn uair no dha thilg e ’m peann uaithe, agus thuirt e ris fhéin, “’S i mo mhor bharail nach cordadh e rium ach gle mheadhonach. Tha mi smaoineachadh a dhol a null feasgar ’s gu faicinn dhomh fhéin ciamar tha dol dhaibh.” ’S ann mar sin a bha: mu chòig uairean feasgar chuir e uime gruag de dh’ fhalt liath, agus badan de sheann aodach, agus ghahh e air a shocair a null gu dorus tigh Dheòrsa. Dh’fhosgail a bhean an dorus, agus chunnaic Mr. Blair nach robh i ach ann am fior dhroch coltas. Bha i ro thana ’san aghaidh, agus mar gu’m biodh i glé sgith. Dh’iarr an seann duine bochd (mar a shaoil leatha-se bh’ann) cead suide stigh car tacain a leigeil ’analach; thuirt e gu robh e glé sgith, an deigh coiseachd mhor a dheanamh. Dh’ iarr bean Dheòrse air tigh’n a stigh, agus rinn i ris cho math ’sa b’ urrainn dhi. Thòisich i an sin air deasachadh na ti, agus am feadh ’sa bha i ri sin bheachdaich an seann duine oirre le geur aire. Chunnaic e nach robh a ceum air feadh an taighe ach glé throm, nach robh sùnnd sam bith ’na gluasad, agus thòisich a chridhe air taiseachadh le truas dhi. ’N uair thainig a fear dhachaidh, dh’ fheuch i ri i-fhéin a dheanamh cho aoidheil ’sa b’ urrainn di, air eagal gu’n tugadh e fa-near cho beag misnich ’sa bha i. An deigh dhi am bòrd a shuidheachadh, cha robh dad air ach aran us im us ti. Thugadh cuireadh do’n choigreach bhochd a bhiadh a ghabhail comhla riutha, ag radh, “Cha-n eil moran againn ri thairgse dhuit, ach cha mhisd’ thu cupan ti an deigh do choiseachd.” Shuidh e sios comhla riutha, agus am feadh ’sa bha iad a’ gabhail am bidh, fhuair e air dòigh-eigin an toirt gu innse dha mar a bha gnothuichean a’ dol ’nan aghaidh. “Cheannaich mi am pios fearainn so,” arsa fear-an-taighe, air pris bhig, agus an àite feitheamh, mar bu chòir dhomh, gus an deanainn fhéin airgead a chuireadh suas tigh air ’s ann a ghabh mi beagan cheudan dolair an iasad. Thigeadh riabh an airgid moran na bu shaoire dhomh na bhi pàigheadh màil. Bha mi ’n dùil nach biodh e doirbh sam bith an t-airgead a phàigheadh air ais; ach a’ cheud bhliadhna bha ’bhean ’s duine dhe’n chloinn gu tinn, agus bha de chosgais an lorg sin ’s nach b’urrainn domh na fiachan a phàigheadh. Dh’aontaich Mr. Blair feitheamh bliadhn’ eile na’m pàighinn an riabh, rud a rinn mi. Am bliadhna bha mi fad sheachd miosan gun chomas abair a dheanamh, agus nuair a thig latha-pàighidh, ’s cha n-fhada gu sin, cha bhi ’n t-arigead agam na’s mò.” “Saoil thusa,” arsa ’n coigreach, “na’n innseadh tu do chor do Mhr. Blair, nach feitheadh e bliadhn’ eile.” “Cha n-fheith,” arsa Deròsa, “bha mi ’g amharc air an diugh, agus thoirt e rium gn feumadh e an t-airgead fhaotainn, agus mur biodh e agam dha air an latha, gu ’n creiceadh e an t-àite.” “’S fheudar gur a duine cruaidh-chridheach e,” arsa ’n coigreach. “Cha n-abair mi sin idir,” ars’ am fear eile, “’s ann mar a tha, cha n-eil aithne sam bith aig na daoine beairteach air cor nan daoine bochda. Is daoine iad direach coltach ris a’ chuid eile de’n chinne-daonna, agus tha mi dearbh chinnteach na’n robh fhios aca air na tha na bochdan a’ fulang, gu’m fosgladh an cridheachan ’s an sporain. Chuala tu fhéin an sean-fhacal, ‘’s beag tha dh’ fhios aig luchd na tire gu de miomhodh luchd no mara;’ agus tha ’n ni ceudna fìor a thaobh nam bochd ’s nam beairteach, ’S ann aig an duine bhochd a mhàin a tha fhios ciod a th’ ann bochduinn. Tha fios aige gur a trom an t-uallach i, agus theid aig air e-fhéin a chur an àite fir eile, ’s co-fhaireachdain a bhi aige ris, agus tha e uime sin a ghnàth deiseil gu bhi deanamh gach cuideachadh a’s urrainn da le duine bochd eile. Na’m biodh fios no fàth aig Mr. Blair air na dh’ fhuiling mise ’s mo theaghlach, tha mi smaoineachadh gu’m b’ fhearr leis gu mor deanamh as aonais a chuid arigid gu ceann àireamh bhliadhnaichean na cur cruaidh ruinn aig an àm so.” (Ri leantuinn.) Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. [TD 71] [Vol. 4. No. 9. p. 7] A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I.O.G.T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 72] [Vol. 4. No. 9. p. 8] Air a’ Ghille tha mo Run. LUINNEAG. Air a’ ghille tha mo run, Tha mo run air a’ ghille; Bho’n a thug thu rium do chul, B’e mo dhurachd thu ohilleadh. ’S ann a fhuair thu t’ àrach òg ’N Apainn bhòidheach nan gillean; ’S beag an t-ioghn’ thu dh’ éirigh suas Ann an uaisle ’s an grinneas, Air a’ ghille, etc. ’S meanglan thu de’n chraoibh nach lùb, Gur tu fiùran do chinnich— Leathannaich nach lùb ’san streup— ’S cha ’n ’eil beum air a’ ghille. Falt do chinn tha dualaeh, dlùth, T’ anail chùbhraidh, ro-mhilis; Dà shùil mheallach, chorrach, chiùin— ’S tu mo run de na gillean! Tha thu ro-mhath air an t-sliabh, Thoirt nan ian bharr na h-iteig, Gunna dubh a leagadh fiadh ’S earbag riabhach an fhirich. ’S ann am Muile nam beann fuar Tha mo luaidh de na gillean; Dh’ aithnichinn thu ’measg an t-sluaigh, Leis na h-uaislean a’ tighinn. ORAN GAOIL LE ALASDAIR STIUBHART. LUINNEAG. A Mhari bhoidheach, ’sa Mhari ghaolach, A Mhari bhoidheach, gur mor mo ghaol ort, A Mhari bhoidheach gur tu a chlaoidh mi, ’S a dh’ fhag mi bronach gun doigh air t’ fhaotuinn. A Mhari bhoidheach gur mor mo ghaol ort, Gur tric mi ’cuimhneachadh ort, ’s mi ’m aonar, Is ge do shiubhlainn gach ceum de’n t-saoghal Bidh t’ iomhaigh bhoidheach ’tigh’nn beo gach taobh dhiom. Is truagh nach robh mi ’s Mhari bhoidheach Le cheil’ an gleannan ciuin, faoin, is ceo air; Is ged bu righ mi ann san Roinn-Eorpa Chan iarrainn pog ach bho Mhari bhoidheach. Chi daoine feidh ’dol air sgeith sna speuran, Is iasg na fairge a falbh air sleibhtean, Is chi iad sneachda dubh air na geugan Mum faicear caochladh tigh’nn air mo speis dhuit. O Mhari, lughdich do ghnuis mo chiall dhomh, Tha m’ uile chridh’ le do ghaol air lionadh, Dhomh tha gach la ann am fad mar bhliadhna, Mur faic mi t’ aodunn ’tha mar a ghrian dhomh. Do shuilean meallach fo d’ mhala bhoidhich, Do bhilean tana air dhath nan ròsan, Do shlios mar chanach an gleannan mointich, ’S do ghruaidh mar chaorunn fo sgeith nam mor-bheann. Fhir-thuris shiubhlich a theid air chuairt bhuainn Theid do na h-Innsean thar thonnan uaibhreach, Thoir leat gach siod’ agus ni ’tha luachmhor A dh-ionnsidh Mari a rinn mo bhuaireadh. Eoin bhinn’ a’s moiche a theid air sgiathibh, ’S a dhireas ’suas ann an aird na h-iarmailt, Na bitheadh la ann ’thig fad’ na bliadhna ’S nach seinn sibh ceol do mo Mhari chiatich. Ach cha oran eala air slios nam mor-thonn, Na smeorach shunndach air badan boidheach, Na inneal-ciuil ’tha san tir ach crònan, An uair a sheinneas mo Mhari bhoidheach. Ged bhitheadh curam mu chuis gam lionadh, Is mi neo-shunndach, trom-thursach, cianail, Ni aoibh do ghnuise is muirn do bhriathran Mo chuidhe sunndach ’nuair ’thig thu ’m fhianuis. O gum a slan do mo Mhari bhoidheach Ge be an t-aìte ’sam bi a comhnuidh; Is e mo dhurachd-sa fhad ’s is beo i, Gum bi gach agh aig mo Mhari bhoidheich. Iadsan a Phaigh. Mairi A. Dhomhnullach, Ceann Dearg. E. D. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis. Domhnull C. Mac Leòid, Framboise ($2.00). Iain Domhnullach, Framboise ($3.00) Tormaid Domhnullach. Dutch Brook. Ailein Domhnullach. Amhuinn a Bhradain. Iain Mac Ille-mhaoil, Rathad Horne. Ruairidh Moireastan, St. Ann’s. Ruairidh Mac Coinnich, Forks Shidni. Domhnull Mac Leoid, South Bar. Seònaid Dhùghlach, Drochaidh an Aiseig. M. J. Mac Ille-mhaoil, Cobh a Bheaveir. Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien. Domhnull Mac Cuish, Port Morien. Calum Mac Neill, Barrachois Bhaoghasdail. Eos. Mac-a-Phearsain, Sidni Tuath, $2.00. An t-Urr. M. A. Mac-a-Phearsain, Bras d’Or Beag. Mor Nlc-an-Tòisich, Orangedale. Eachunn MacFhionghain, Loch Ainslie, $2.00 Niall Domhnullach, Baddeck. Eobhan Mac-a-Phi, Meadows, 50c. Eos. S. Mac-a-Phi, Pon Mor, 50c. D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie, 25c Iain Battleman, Forks Shidni, 25c Iain Domhnullach, Peirce’s City, N. H. 25c D. Mac Gill-fhaollain Boston. Iain D. Domhnullach, Great Bend, Pa. Prof. I. D. Prince, Ringwood, N. J. Domhnull Mac Gilleain, New York. Gilbert mac Leoid, Hamilton, Ont. R. I. Grannd, Cashion’s P.O., Ont. Alasdair Mac Amhlaidh, Waipu, N. Zealand. Domhnull Rothach, Reynoldston, N. Zealand. Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba. Alasdair Mac-a-Phi, Amhuinn Deas, N. S. Iain Domhnullach, Antigonish, N. S. Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown, N. S. Iain Mac Ille-mhaoil, Oil-thigh Antigonish, Iain Gillios, Crossing ’Ic Leoid, Que. Domhnull D. Mac Leoid, Milan, Que. D. Mac Rath, Vancouver, B. C. Domhnull Mac Neacail, Wellington, B. C. Seònaid Bhrus, Valleyfield, E. P. I. Fionnladh Mac Rath, Canoe Cove, E. P. I. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 73] [Vol. 4. No. 10. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 14, 1895. No. 10. Cuir thu fhein nam Aite-sa. (Air a leantuinn.) Cha-n urrainnear smaointean a choigrich a chur an céill ’nuair a bha e ’g éisdeachd ri sgeul an duine bhochd a bha ’toirt aoidheachd dha. Bha saoghal ùr air fhosgladh dha. Bha e ’dol troimh àite anns nach robh e riamh roimhe. Beagan an deigh dhaibh éiridh o’m biadh, thog e air gu falbh, a toirt buidheachais do Dheòrsa ’s d’a mhnaoi air son an coimhneis. Fhuair e cuireadh fialuidh uatha cuid na h-oidhche ’ghabhail còmhla riutha, ag radh gu’m b’e làn dith a bheatha, ’s gu’n dianadh iad ris cho math ’sa b’urrainn daibh. Thug e taing dhaibh a rithist, ach thuirt e gu’m b’fhearr leis falbh; o’n bha e nis air a sgios a ligeadh dheth, rachadh aig air an ath bhaile ruigheachd mu’m biodh an oidhche dorcha. Cha do chaidil Mr Blair a bheag an oidhche sin; bha e ’na dhùisg ’sa ’smaoineachadh. Dh’fhosgail na chunnaic e air an fheasgar a shùilean dha. Bha e roimhe so dhe’n bharail gu robh na daoine bochda a ghnàth aineolach mur a robh a dhith tuigsa. B’e so a cheud theaghlach bochd air ’n do thaghail e riamh, agus bu mhor ’iongatas am faotainn, ann am modh, ’s ann an ionnsachadh, fad air thoiseach air moran de’n mhuinntir bheairteach ris am b’àbhaist co-chomunn a bhi aige fhéin. An la-’r-na-mhàireach thainig gille beag gu tigh Dheorsa agus litir mhor ghorm ’na làimh air a seòladh gu Deorsa fhein. Cha robh stigh aig an ám ach a bhean, agus ghabh i an t-eagal nach bu ni math sam bith a bha fa-near dh’an litir. Bha i am barail nadh robh còmhdach gorm ri fhaicinn air litir sam bith ach litir-lagha agus ’s ann a smaoinich i gur e bh’ann a bhairlinn a bha gu ’n cur as an aite. Chuir i an litir a thaobh gus an d’thainig a fear dhachaidh. ’Nuair a dh’fhosgail esan i, leugh e i gu h-ealamh agus thainig aoibhneas mor ’na ghnùis, “Taing do Dhia,” as esan. “Ciod e sin” arsa ’bhean, “innis dhomh ciod a tha ’san litir” “Tha” ars esan, “gu bheil Mr Blair an deigh na fiachan a mhathadh dhuinn, eadar riabh us chalpa agus ma bhios cuideachadh a dhith orinn uair sam bith cha-n eil againn ach fios a chur g’a ionnsuidh ’s gheobh sinn e!” “Nach briagha ’n naigheach sin,” ars ise; “Tha e toirt uallach mor bhar ’m inntinn, ach ciud e bheireadh air Mr. Blair sin a dheanamh?” “Tha e da-rireadh iongatach,” ars esan, “an deigh mar bhruidhinn e rium ’sa mhaduinn an dé. ’S ann tha bhuam a dhol a null air ball ’s fheòrach dheth ciod a thug air a dheanamh, agus innseadh dha cho sona ’sa tha sinn air a thàilleabh.” Fhuair e Mr. Blair a stigh, agus thug e mile taing dha air son cho grinn ’sa dhéilig e ris. “Ach ciod a thug ort a leithid a dheanamh?” “Cha d’thug dad,” arsa Mr. Blair, “ach gu’n do ghabh mi a’ chomhairle ’thug thu fhéin orm an dé: chuir mi mi-fhein ’na t-àite-sa. Tha mi creidsinn nach eil fhios agad gur-a mise ’n coigreach bochd a ghabh biadh agad feasgar an raoir.” “Thusa!” arsa Deòrsa, “Ciamar a rachadh agad air thu fhéin a chur á aithne orm cho math?” “Cha robh e glé dhoirbh idir,” arsa ’m fear eile, ’se deanamh gàire, “ach cha smaoinicheadh tusa ’m feasda gu’n tigeadh an duine beairteach Mr. Blair, gu d’ dhorus ann an riochd duine bhochd bhar an rathaid-mhòir.” “Cha smaoinicheadh, gu deimhin,” arsa Deòrsa, “ach ’s math leam gu’n d’thainig thu air son sin. ’Se rud a b’ fhearr dhòmh a thachair riamh.” “Cuir e ioghnadh mor orm,” arsa Mr. Blair, “do chluinntinn a labhairt mar a rinn thu feasgar an raoir. Bha mi riamh an dùil a chionn gu robh mi air thoiseach ort ann am beairteas, gu robh mi air thoiseach ort ann am fòghlum ’s ann an tuigse mar an ceudna, ach sann a tha thusa fad air thoiseach ormsa anns am da chuid. Cha-n eil beachdan farsuing no cho fallain agam air nithean ’sa th’ agadsa. Tha bean agad a tha ’na boirionnach luachmhor. Tha mise ’g radh riut gur tusa tha beairteach; na’s beairtiche na ni airgead thu; tha ionmhas agad nach ceannaicheadh airgead no òr, air an luach. Cha-n eil comain sam bith agam ort; ’s fhiach na chunnaic ’s na chuala mi a’s tigh agad, na bh’agad ri phàigheadh dhomh agus barrachd. Tha mi a’ meas gur h-ann bu chòir dhomh tuilleadh a phàigheadh air son na fhuair mi. An deigh so feuchaidh mi ri mi-fhéin a chur an àite dhaoin’ eile, agus deanamh riutha mar a b’àil leam iadsan a dheanamh riumsa na ’m bithinn ’nan àite.”—Eadar-theangaichte o’n Bheurla. Fhuair sinn an la roimhe litir o fhear Padruig Camshron, á taobh an iar Africa, agus airgead innte air son bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA. Chaidh a sgriobbadh air an aonamh latha deug de cheud mios na bliadhna, agus rainig i sinne direach an cearn ochd miosan. Gun teagamh chaidh i air seacharan. Thatar a’ cur fios air MAC-TALLA a àiteachan ùra a h-uile mios dhe’n bhliadhna. Tha sinn an dòchas gu lean a chùis mar sin, gu’m bi iadsan a tha ’ga ghabhail a’ cur àireamhan dheth gu’n càirdean aig nach eil fhios gu bheil a leithid ann, agus mar sin gu’n tig e gu bhi dol do gach cearna dhe’n t-saoghal anns a’ bheil Gàidheil a còmhnuidh. Chualas bean choir ann an Glascho, aig am taghadh na parlamaid mu dheireadh ag radh, “Gu ma h-anmoch dha na h-elections a th’ann; an te roimhe seo, ghadh Iain agamsa an daorach a chionn gu robh a dhuine air a chur a mach, agus air an turus seo, ghabh e an daorach a chionn gu’n d’fhuair a dhuine stigh. Tha mi ’n dochas ma bhios e beo air choinneamh na h-ath te nach cuirear a dhuine aona chuid a mach no stigh.” [TD 74] [Vol. 4. No. 10. p. 2] CRIONNACHAN. SGEULACHD FHRANGACH. Aon latha ghabh Crionnachan am beachd neo-chiallach so ’na cheann—gum biodh e coimhlionta glic. ’S gann a tha duine anns an t-saoghal nach robh an smaointinn ghòrach so uair eiginn na inntinn. Thuirt Crionnachan ris fhéin: “A chum a bhith ro ghlic, agus mar sin ro shona, chan ’eil ni a dhith ach a bhith gun ana-mianna; agus chan ’eil rud ’sam bith a s’ usadh, mar a tha fihios aig gach neach. Anns a’ cheud aite, cha toir mi gaol gu brath do mhnaoi; chionn air faicinn domh a’ bhoirionnaich a ’s sgiamhaiche their mi rium fhein: Preasaidh na gruaidhean aluinn sin latha eigin; bidh na suilean lonn rach sin fhathasd air an cuairteachadh le dearg; fasaidh am muineal cruinn lionta sin slaopach mi-dhealbhach; falbhaidh an leadan fainneach, orbhuidh, ’s bidh sgailc ’na dheigh. Chan ’eil agam ach a faicinn aig a cheart am so leis na h-aon suilean leis am faicear an sin i; agus, gu deimhin, cha thionndaidh an ceann sin m’ fhearsa. Anns an dara aite, bidh mi daonnan measara. Ma ’s e ’s gum mothaich mi mi-fhein a brath a bhith air mo bhuaireadh le biadh soghmhor, le toil-inntinn cuideachd, no le fion cubhraidh; chan ’eil agam ach cuimheachadh air athar mi-mheasarrachd, ceann trom, goile tinn, call ceille, slainte, agus uine, ’s chan ith ’s chan ol mi an sin ach a reir m’ fheum. Ths a’ h-uile ni dheth so cho soirbh ’s nach ’eil cliu sam bith ’na dheanadh. Air a’ cheann ma dheireadh, arsa Crionnachan, feumaidh mi smaointeachadh air mo mhaoin: chan ’eil iarrtais uaibhreach agam ’s tha mo chuid air a ghieidheadh gu diong-mhlata aig ard fhear ionmhais Ninibh. Tha agam na bheir comas domh tighinn beo gun r bhith an eisiomail neach talmhaidh; ’s ciod e a choimeasar ris an sin. Cha bhi mi ann am feum deagh-ghean duine eile; cha bhi farmad agam ri neach, ’s cha bhi farmad aig neach rium. Is e sin, gun ag, rud a tha fior ghasda. Tha cairdean agam agus cha chaill mi iad; chionn cha bhi aobhar aimhreit eadaruinn; cha bhi iadsan ann an corruich riumsa no mise riusan; cha ghnothuch doirbh air chor ’sam bith so. Air dha gliocas a shuidheachadh mar so arson mar a chaitheadh e a bheatha, chuir Crionnachan a cheann a mach air uinneig. Chunnaic e da bhoirionnach a ’spaisdireachd fo na craobhan fagus da thigh. Bha h-aon diubh sean ’s i sealltuinn mar nach biodh i a’ smaointeachadh air ni ’sam bith; bha an te eile og, boidheach, agus ag amharc mar gum biodh iomaguin mhor oirre. Bha i ag osnaich agus a’ caoineadh; ’s mar a bu mhotha a bha i a’ tuireadh ’s ann a bu mhotha a sgeimh. Bha an duine glic air a mhaothachadh,—cha b’ ann le maise na mna uaisle (Cha b’ ann, mo naire cha robh a leithid sin de laisge ceangailte ris.) ach leis an amhghar ann an robh e ’ga faicinn. Theirinn e, chaidh e far an robh a bhan-Ninibheach og a chum feuchainn ri a bron aotromachadh le a ghliocas. Dh’ innis an ainnir sgiamhach so dh’a gu tim, doilich, a’ h-uile h-olc a rinn brathair athar oirre nach robh riamh aice; na caran leis an d’ thug e uaipe a’ mhaoin nach robh riamh rir a seilbh; agus a’ h-uile aobhar eagail a bha aice roimh a fhoirneart. “A reir mo bheachd,” arsa i ris, “tha thu ann a’d dhuine aig am bheil comhairle cho maith ’s na am bitheadh thu cho suairce agus tighinn gus an tigh leam, agus sealltuinn a stigh ann a’m ghnothuichean, tha mi lan chinnteach gun rachadh agad air mo thoirt as an eigin chruaidh anns am bheil mi. Cha do dhiult Crionnachan a leantuinn, a shealltuinn a stigh ’na cuis gu glic, agus a thoirt comhairle mhaith oirre. Thug a’ bhean uasal bhronach a stigh e do sheomar deagh-bholtrach ’s chuir i ’na shuidhe e le fior ghrinneas air suidheachan mor far an do shuidh i fhein maille ris, ’s bha iad ’nan suidhe ann an sin ’s cas air oireig orra mu choinneamh a cheile. ’Nuair a bha a’ bhean uasal a’ bruidhinn bha i a’ cromadh a sul as an robh deoir corr uair a’ ruith, agus gach am a thogadh i a suas iad, bha iad a’ coinneachadh sealaidh Chrionnachain ghlic. Bha a comhradh lan de chaomhlachd a bha a ghnath a’ meudachadh gach siubhal a dh’ amhairceadh an dithis air a cheile. Ghabh Crionnachan a gnothuch gu h-anabarrach ga cridhe agus bha e a’ mothachainn gach tiotamh iarrtas ro mhor arson comain a chur air neach a bha cho firinneach agus cho mi-adhmhor. Chomhairlich Crionnachan i cho baigheil, ’s bha de dhoilgheadas air d’ a cor, ’s cha b’ urrainn e bruidhinn air ’na b’ fhaide, ’s bha ’n dithis cho teodh-chridheach ri ’cheil ’s gur gann a bha cuimhne aca c’ aite an robh iad. An trath a bha iad mar sin co a thainig ach brathair a h-athar-sa mar a dh’ fhaoidteadh a bharalachadh; bha e fo armaibh o bhraigh gu bonn, agus b’ e a’ cheud rud a thubhairt e gun robh e a’ dol a mharbhadh, mar a bu choir, Chrionnachain ghlic agus nighean a pheathar; b’ e ’n rud mu dheireadh a labhair e gum faodadh e maitheanas a thoirt seachad arson moran airgid. B’ eigin do Chrionnachan na a bha air a ghiulan a thoirt seachad ’s bha e ’ga fhaicinn fhein sona gun d’ fhuair ’e as cho maith. Chaidh Crionnachan dachaidh gu dubhach, eamnalach. Fhuair e ’nuair a rainig e litir ’ga chuireadh gu dinneir le cuid d’ a chairdean gaolach. Ma dh’ fhanas mi an so leam fhein, arsa e, bidh mo thuras mi-adhmhor a’ cur doimheadais air m’ inntinn, chan urrainn mi mir itheadh, ’s fasaidh mi gu tinn; bidh e moran ’na ’s fhearr dhomh dol far am bheil mo chairdean gaolach agus itheadh a ’s ol leotha gu measarra. Diochumhnichidh mi ’nan cuideachd ladhach an amaideachd a rinn mi anns a’ mhaduinn an diugh. Chaidh e gus an dinneir; ach bha e car dubhach. Thug iad air ol arson a mhulaid a chur air falbh. Tha beagan fion air a ghabhail ann am measarrachd ’na leigheas air eucail inntinn agus cuirp. B’ e beachd Chrionna chain ghlic, ’s dh’ ol e gus an robh e air an dallanaich. Chuir iad mu choinneamh dol a chluiche an deigh na dinnearach. ’S caitheadh uine neo-lochdach cluiche air a riaghladh a measg chairdean. Chluich e; bhuidhinn iad air a’ h-uile bonn a bha ’na sporan agus a’ cheithir uibhir sin air fhacal. Dh’ eirich comhsachadh mu ’n chluiche ’s chaidh iad ann am feirg. Thilg a-aon d’ a chairdean gaolach bogsa dhisnean air Crionnachan ’s an aodann ’s chuir e suil as. Ghiulain iad dachaidh Crionnachan glic air mhisg, gun airgiod agus as eugmhais te d’ a shuilibh. Chaidil e dheth an daorach; agus an deigh dha a cheann fhaotainn ’na b’ fhearr, chuir e a ghille a dh’ iarraidh airgid air ard-fhear-ionmhais Ninibh arson a a chairdean gaolach a phaidheadh; dh’ innseadh dha gun d’ rinn am fear so aig an robh a chuid airgid brisdeadh [TD 75] [Vol. 4. No. 10. p. 3] foilleil anns a mhaduinn a chuir ann iomaguin ceud teaghlach. Chaidh Crionnachan, ’s e leith as a bheachd, gu cuirt an righ, le bann airgid ’na laimh agus ceirean air a shuil, a dh’ iarraidh ceartais o’n righ. Choinnich e ann an talla cheutach moran mhnathan uaisle aig an robh giulan aotrom, ’sgiobalta agus cearcaill orra ceithir troidhe fichead mu’u cuairt. Dh’ amhairc h-aon diubh aig an robh beagan eolais air thar a guailne, ’s nuair a chunnaic i aodann thionndaidh i air falbh le grainn. Nach sgreamhail a choslas, arsa i ri cach. Thuirt te eile d’am b’aithne ’na b’fhearr e ris. Feasgar maith dhuit, a Chrionnachain tha mi fior thoilichte d’fhaicinn; gabh ma leithsgeul a dhuine mheasail, c’arson a chaill thu te de d’shuilean. Nuair a thuirt i so ghabh i seachad gun feitheamh r’ a fhreagairt. Dh’ fhalaich Crionnachan e fhein ann an oisein a dh’ fheitheamh gus am faigheadh e cothrom air e fhein a thilginn aig cosaibh hn righ. Fhuair e’n cothrom so gun feitheamh ro fhada. Phog e ’n lar tri siubhail agus thug e seachad a bhann. Ghabh an righ am bann le mor dheagh-ghean agus thug e e do h-aon d’ a ard sheirbhisich arson sealltuinn a stigh anns a ghnothuch. Tharruing an t-ard sheirbhiseach Crionnachan a leath-taobh agus thuirt e ris gu maith ardanach, ’s e ’deanadh gaire fanoid gearta aig a’ cheart am. ’S olach cam, gasda, thusa a dhol chun an righ air thoiseach ormsa, agus tha thu a rithis ’na’s gasdacha nuair a bha chridhe agad tighin a dh’ iarraidh ceartais an aghaidh an duine choir so a bhrisd agus air am bheil mise a cur a dh’ urram a ghabhail fo m’ dhion, agus a bharrachd air sin gur h-e mac brathar searbhannta seomair mo leannain. Buail suas an gnothuch so a charaid ma tha toil agad an t-suil eile a ghleidheadh. Mar so, chuir Crionnachan anns a’ mhaduinn cul ri mnathan, ri mi-mheasarrachd buird, ri cluiche, ri gach iorguill, agus gu sonraichte ri cuirt am righ; ciod e dheth sin mu ’n d’ thainig an oidhche chaidh a charadh agus a chreachadh le mnaoi uasail mhaiseach, ghabh e misg, bha e ’n iorguill chaille suil, ’s bha e aig cuirt an righ far an d’ rinn iad ball fanoid deth. Air a ghonadh le h-amhghar, agus ach beag as a cheill, thill e dhachaidh ’s a chridhe an taobh a stigh dheth marbh. Nuair a bha a mhiann air dol a stigh fhuair e maoir an sin a toirt leotha gach ni arson a luchd fiachan. Ghabh e fois ’s e dluth air failineachadh aig bonn craoibhe; choinnich e ann an sin bean uasal bhoidheach na maidne ’s i ’sraideachd le brathair a h-athar gradhach. Bha i ’sgainneadh a’ gaireachdaich an trath a chunnaic i Crionnachan le ceirean air a shuil. Thainig an oidhche; luidh Crionnachan air comhlaich dluth air ballachan a thighe. Streap fiabhras ris; chaidil e agus chunnaic e taibhse ann am bruadar. Co thusa? arsa Crionnachan. Do thaibhse maithsa, fhreagair am fear eile. Aisig air an ais domh mata mo shuil, mo shlainte, mo mhaoin, agus mo ghliocas, arsa Crionnachan. Dh’ innis e na robh an sin do ’n taibhse ciamar a chaill e na robh an siud ann an aon latha. Chan ’eil gnothuichean mar sin a’ tachairt duinne idir anns an t-saoghal anns am bheil sinn a’ gabhail comhnuidh, arsa an taibhse. Agus ciod e an saoghal anns am bheil sibh a gabhail comhnuidh, arsa an duine bronach. Tha mo dhuthaichsa, arsa esan, coig deug muillean mile o’n ghrein ann an reul bheag a tha dol mu ’n cuairt air Sirius a tha thu a’ faicinn as an so. An duthaich cheutach! arsa Crionnachan. Chan ’eil agaibh an sin slaightirean gu caradh duine bochd, no cairdean gaolach a bhuidhneas a chuid airgid air neach ’s a chuireas an sin te d’ a shuilcan as, no feadhain nach paidh am fiachan, no ard sheirbhisich righ a ni fanoid oirbh ’s a dhiultas duibh ceartas? Chan ’eil, arsa fear comhnuidh na reul, ni dhiubh sin againn. Chan ’eil sinn a’ dol gu mi-mheasarrachd aig bord, chionn chan ’eil sinn ag itheadh mir; chan ’eil neach againn ann am fiachaibh, chionn chan ’eil airgiod no or ’nar measg; chan urrainn aon fhear suil a chur a fear eile, chionn chan ’eil cuirp againn mar a tha agaibhse; ’s chan urrainn ard sheirbhiseach righ eucoir a dheanadh, chionn anns an reul bhig againne tha ’n sluagh gu leir comh-ionnan. Gun mhnaoi gun dinneir, arsa Crionnachan, ciamar a tha sibh a’ cur seachad na h-uine. A faire, arsa an taibhse, air na saoghail eile a tha ann an earbsa ruinn; agus thainig mise far am bheil thusa arson comhfhurtachd a thoirt duit. Mo chreach! arsa Crionnachan, c’ arson nach d’thainig thu ’n raoir a m’ chumail air m’ais o uibhir a dh’amaideachd a dheanadh? Bha mi far am bheil Assan do bhrathair a ’s sinne, ars an taibhse. Tha e ri’ ’ghearan ’na ’s motha na tha thusa. Chuireadh an da shuil as arson coire bhig le aithne righ nan Innsean; tha e nis ann am priosan ’s a lamhan agus a chosan ann an iaruinn. S’ bochd an gnothuch, arsa Crionnachan, taibhse maith a bhith ceangailte ri teaghlach agus an dara brathair cam ’s am fear eile dall; an dara h-aon ’na luidhe air comhlaich, ’s an t-aon eile ann am priosan le a lamhaibh ’s le a chosaibh ann an iaruinn. Tha e fior gu leoir gum bi thu a ghnath cam; ach air a shon sin deth bidh thu daonnan sona, mar am bi thu a rithis cho baoth agus gun cuir thu romhad a bhith coimhlionta glic. ’S rud e air am bheilear neo-chomasach ruigheachd, ghlaodh Crionnachan ’s e ’g osnaich. Cho neo-chomasach, fhreagair am fear eile, ’s a tha e a bhith coimhlionta neartmhor, coimhlionta cumhachdach, no coimhlionta sona. Eadhoin sinne, tha sinn fada uaithe. Tha aon saoghal ann far am faighear a’ h-uile ni dhiubh so, ach anns a’ cheud mile muillean saoghal a tha ’san roinn de ’n chruthachadh a ’s aithne dhuinne, tha gach aon a’ dol a reir inbhe. Tha na ’s lugha de thoilinntinn agus de ghliocas aca anns an dara h-aon no anns a’ cheud aon, na ’s lugha anns an treas aon no anns an dara aon, agus mar sin gus an fhear mu dheireadh far am bheil an sluagh gu leir ’nam burraidhean. Tha eagal orm, arsa Crionnachan, gur h-e ’n saoghal so againne am fear mu dheireadh sin. Chan e uile gu leir, arsa an taibhse, ach tha e dluth air; feumaidh gach ni a bhith ’na aite. Ach, arsa Crionnachan, tha cuid a dh’ fhilidhean agus cuid a dh’ fheallsubhaich fada am mearachd nuair a tha iad ag radh, gum bheil a’ h-uile ni gu maith. Tha iad ceart gu leoir, arsa am feallsubhach o ’n airde, nuair a ghabhar a stigh ordugh a’ chruthachaidh gu leir. Och cha chreid mi sin, fhreagair Crionnachan bochd, gus am bi mo dha shuil a rithis agam. Nuair a bha do dha shuil agad bha d’ inntinn dall. Tha nis suil agad ann ad’ inntinn ’s tha sin moran ’na ’s fhearr dhiut, no da shuil chorparra a bhith agad ’s gun gin aig d’ inntinn. Shaoil thu roimhe gun robh thu glic nuair a bha thu gorrach. Fhuair thu nis gliocas ceannaich a ni barrachd feum dhuit no aona chuid do shuil no do mhaoin. Nuair a labhair an taibhse na briathran so dh’ fhalbh e. Dhuisg Crionnachan agus ’s i mhaduinn a bha ann. Sheall e mach arson gnothuich leis an deanadh e ’aran. Fhuair e sin. Chinn an saoghal leis gu maith ’s cha robh dith no deireas air gu deireadh a latha. [TD 76] [Vol. 4. No. 10. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 14, 1895. Labhair lighiche còir á Ontario aig cornneamh stuamachd a bh’anns a’ bhaile so o chionn ghoirid, agus thug e treis a bruidhinn mu bheairteas Cheap Bteatunn. ’Si bharail a th’aige-san gu bheil an t-eilean so tuilleadh us saoibhir air son math an t-sluagh a tha fuireach ann. Anns an àite ’sam beil esan ’a deanamh a dhachaidh, cha-n eil dòigh thighi’n beò aig an t-sluagh ach air an tuathanachas. Duine nach bi leagte ri dhol a thionndadh na talmhainn cha-n eil aige ach falbh aisde no bhi anns a bhochduinn. Ach air an eilean so, faodaidh duine beòlaind mhath a dheanamh mar thuathanach, mar iasgair, no mar mhèinneadair. Mur còrd an dàrna cuid ris faodaidh e gabhail ris a chuid eile agus ’se tha cumail moran air ais ’nan crannchur nach eil iad a leantuinn ri aon sam bith dhe’n tri, ach a toirt buille air gach aon m’a seach. Tha cuid a’roinn an saothair eadar an t-iasgach ’s an tuathanadhas, cuid eile eadar an tuathanachas ’sa mhèinneadaireachd, agus tha sin ’gan cumail o bhi cho soirbheachail ’sa bhiodh iad ’nan leanadh iad ris an aon obair. ’Se so barail duine thuigich a fhuair arach anns a mhor-roinn a’s fhearr a tha ’n Canada; agus cha-n eil e ’meas idir gu bheil Ceap Breatunn mar àite air son beòlaind mhath a dheanamh ann, air deireadh air a mhor-roinn fhéin ach air toiseach oirre. Cha-n eil teagamh againn nach toir so sùilean dhaibhsan a bhios gu tric a labhairt mu’n dùthaich so mar gu’m b’i an aon a’s miosa tha fo’n ghréin. “Is math an sgàthan sùil caraid.” Chaidh duine-uasail àraidh a steach do thaigh-ionghnaidh ann am baile Sasunnach aon uair a dh’amhairc air na nithe neonach a bha ann. Am measg nithe eile, chunnaic e claigionn beag agus thuirt fear an taigh-ionghnaidh ris gu’m b’e claigionn Chromueil a bha ann. Fhreagair an duine-uasail nach b’urrainn da sin a bhi, a chionn ’s gu’n robh Cromeul ’na dhuine air an robh ceann mòr. “Tha sin fior gu leòir” ars am fear eile “ach is e so a chlaigionn nuair a bha e ’na ghille òg”. Anns a bhliadhna 1795 rinn a’ Pharlamaid Bhreatunnach lagh airson sgoilean Beurla a bhi air an togail feadh na Gaidhealtachd a chum a’ Ghaidhlig a chur as gu buileach, agus aig a’ cheart àm sin bha miltean de na Gaidheil a’ dòrtadh am fala airson cliu nan Sasunnach a chumail suas feadh an t-saoghail. Nach ann aca bha’n taing air son an treubhantais; ach tha Ghailig an diugh moran nas beothaile na bha i o chionn cheud bliadhna dh’ain-deoin gach dichioll a rinneadh air cur as di. Gleam Comhain. Tha gnothuch annasach ri tachairt ann an Gleann-Comhain air a mhios s’a tighinn. Tha aireamh de dh’uaislean na Gaidhealtachd an deigh Coisirean ciùil agus Piobairean fhastadh air son seinn agus cluich anns a’ ghleann agus anns na bailtean beaga a tha timchioll air. Tha na piobairean dol a mhairdseadh o bheul a ghlinne aig dorchadh na h-oidhche, agus air a mharbh mheadhon-oidhche, cluichidh iad puirt tuiridh air ’a cheart-laraich air an deachaidh Mac-Iain agus a luchd-cinnidh a mhort, gniomh cho oillteil ’sa rinneadh riamh ’an eachdraidh na Gaidhealtachd. Tha e air innse dhuinn gur h-e duin’-uasal de na Caimbeulaich a chuir mu dheobhain seo an toiseach. Tha na piobairean ri bhi air an éideadh anns an deise Ghàidhealaich, agus breacan nan Caimbeulach orra. Tha Domhnullaich Ghlinn-Comhain a’ cur rompa breacan nan Caimbeulach a chumail as a ghleann, agus tha an Caimbeulach a th’ air ceann na cùise ’dol a dh’ fhaotainn geard air son na piobairean a dhion o ionnsuidh sam bith a bheirear orra. Tha sinn an dòchas nach bi mort eile ann am Gleann-Comhain! Cha-n eil àit am bi meall nach bi fasgadh mu bhonn. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 77] [Vol. 4. No. 10. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh a’ cuid a b’ fhearr de bhaile Liverpool, N. S., a losgadh ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich. Thòisich an teine ann an tigh fas, agus cha-n eil teagamh nach b’ e obair duine bh’ ann. Tha ’n call air a mheas aig ceud mile dolair. Cha d’ fhuair am fear deasachaidh dad a radh mu ’chuairt shamhraidh ann an àireamh na seachdain s’a chaidh; bha e air a dhùnadh a mach le nithean eile; agus air an t-seachdain so thachair an ceart ni a rithist. Ach air an t-seachdain s’a tighinn bidh sùil aige leantuinn air tuilleadh cùnntais a thoirt air a thurus. Thainig seann duine mhuinntir Port Morien da’m b’ ainm Uilleam Rothach ri bheatha le e fhéin a chrochadh Di-luain s’a chaidh. Bha e a’ lagh ri cuideachd a’ ghuail air an t-samhradh s’a chaidh air son a ghuail a bhi milleadh a chuid fearainn air, agus chaill e. Bha iad gu tigh’n air air son na cosgais, agus chailleadh e am fearann. Tha iad a’ deanamh dheth gu’m b’e eagal sin a chuir as a rian e, ’s a thug air e fhéin a chur a dhith. Bha e 63 bliadhna dh’ aois. Tha ’n carbad iaruinn air sgur a dh’ fhalbh á Sidni aig aon uair deug agus tha e nise fàgail a bhaile aig cairteal an deigh cóig, an t-seann uair aognaidh, fhuar, dhorcha air am b’ àbhaist da falbh na geamhraidhean roimhe so. Tha e coltach nach gabh toirt air deanamh na’s fhearr na sin, agus gu feum duine bhios a’ gabhail a thuruis á ceanna-bhaile Cheap Breatunn a leaba bhlàth, sheasgair, fhàgail an dùdhlachd a gheamhraidh fada mu’n smaoinich an coileach air gairm. Tha ’n t-side a cumail fuar gu leòr, agus neòr-thaing tioram. Tha ’m baile glé dhona le stùir, agus tha ’chairt-uisge a deanamh feum mor ’ga chumail sios. Tha e nise doirbh le muinntir a bhaile a thuigsinn ciamar a rinn iad an gnothuch as a h-aonais cho fada. Tha iad a nise ’g obair gu trang air an cabhsairean a chur ris an t-sràid, agus cha bhi glé fhada gus am bi iad ullamh. ’S iad na Bráithrean Pattersonach as na Forks a tha ris an obair chlachaireachd, agus ’s math a’s aithne dhaibh a deanamh. Tha Sidni a lion beagan us beagan a’ fás n’as coltaiche ri baile na bha e. Chaidh na saighdearan a leigeadh m’a sgaoil feasgar Di-màirt, an deigh dhaibh a bhi ’sa champa fad ochd latha. Bha ard-oifigeach a Kingston a bhos ag amharc thairis orra. ’Se a bhrail gu’n d’ rinn iad uile glé mhath a reir an cothroim. Tha sinn fior thoilichte fhaicinn gu bheil piobaire anns a champa gach bliadhna, a faotainn pàighidh air son a bhi piobaireachd do luchd-dion ar dùthcha ’nuair a bhithear ’gan cur troimh ghluasadan an airm. ’Se gill’ òg, Pàdruig Mac Gille-mhaoil, a mhuinntir a Bhai-’n-Ear a bha ’na phiobaire aca ’m bliadhna, agus théid aig air port a chur oirre cho math ri fear a chuala sinn fhathast. Tha baile beag d’ an ainm Midway air fàs suas mu mhéinn ùir a tha ann an Columbia Bhreatunnach beagan us da mhile tuath air a chrich eadar a mhor-roinn sin agus fearann nan Stàitean. Agus ged tha e ’n t-astar sin o’n chrich tha na Stàitean ag agairt còir áir! Tha na réisean a bha gu bhi eadar na birlinnean ann an New York a dol air adhart. Bha cheud réis aca Di-sathairne s’a chaidh, agus choisinn an Defender, am bata Geancach. Di-màirt bha ’n darna réii aca, agus thainig a’ Valkyrie, am bàta Breatunnach, a stigh air toiseach, ach air son rud eigin a chaidh cearr mu thoiseach na réise, thugadh an réis dh’ an Defender. Dior-daoin, bha réis eile gu bhi aca, ach ’nuair bha iad gu falbh, ghearain a’ Valkyrie nach robh i faotainn ceartais, phaisgeadh na siùil aice, ’s thill i gu ’h-acair. Tha mar sin da réis aig an Defender, agus ma gheobh i aon té eile cha téid an cupan, air son am bheil iad a strith, thar a chuain am bliadhna fhathast. Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air crann treobhaidh a th’ aig Alasdair Domhnullach, ann an Gut Mhira, a tha air a mheas a bhi còrr us ceud bliadhna dh’ aois. Tha e air innse dhuinn uaithe sin gu’n d’ rinneadh an crann so le Iain Mac-Gille-Mhoire, Gobha na h-Earadh. Tha caraid eile ’g innse dhuinn gu bheil moran de nithean aig muinntir ann an St. Ann’s a rinn an Gobha ainmeil so. Tha àireamh mhor de chlodhaichean aca a tha ’n diugh cho math mu’n teine ’sa bha iad an latha rinneadh iad. Tha da chlodha dhiubh so aig bean Iain ’Ic Leòid air an Amhuinn a Tuath, agus bha lampa iaruinn a rinn e air sgial gus o chionn beagan bhliadhnaichean. Bha Mac-Gille-Mhoire ’na ghobha math agus ’na bhàrd math; bha e cho math air an darna ceaird ’sa bha e air ’aeile. Agus thug a luchd dùthcha a thainig air imrich leotha a chuid dhàn us chlodhairchean us chrann comhla, ach ’s e ar barail gur iad na dàin a’s fhaide mhaireas. BAIS. Air cùl Intervale Shiudaig, aig an 26 de dh’ Ogust, Bantrach Aonghais Chaimbeil. Bhuineadh i do Phort Hood. agus bha i a coimhead air a càirdean muair a bhuail an tinneas i a thug air falbh i an ceann ochd latha. Bha meas mor oirre ’sa choimhearsnachd. Ag Amhuinn Shidni, air Di-ciaduin, an aonamh latha deug de September, Murchadh Mac Phàrlain. Tha ’n Urr. Niall Mac Nèill, D. D., Sagart Descousse, a nis air àrdachadh gu dreuchd na h-easbuigeachd, agus air a shuidheachadh air taobh an iar Newfoundland. Tha e mhuinntir Mhabou, agus is bràthair e do’n Onarach D. Mac Neill ann am Port Hood. Tha e ’na sgoilear anabarrach tapaidh. Am bheil thu air son “A’ Choisir-chiùil” fhaighinn? ma tha, faigh da fhear-gabhail ur us dà dholair do ’n MHAC-TALLA. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 78] [Vol. 4. No. 10. p. 6] Sgeul mu’n t-Sionnach. Bha Brocair ann aon uair, a bha ro dheigheil air greim a dheanamh air ar caraid an sionnach agus a chum a chuideachadh gu so a dheanamh dhuin e suas na h-uile toll-talmhainn ’nuair a bha an aimsir fuar. Bha e aon oidhche ’na chadal ’na bhothan, agus air fosgladh a shuilean da, co chitheadh e ’na shuidhe gu socrach ri taobh an teine, ach an sionnach. Bha e air faighinn a steach air an toll a bha aig bun an doruis, airson goireas a’ choin, a’ chait agus na circe. “Oh ho” ars’ am brocair, “Fhuair mi nis thu”, agus chaidh e agus rinn e suidhe aig an toll chum ’s nach fhaigheadh am madadh-ruadh a mach. “Oh ho” ars an sionnach, “Cha bhi mi fada ’toirt air a’ bhurraidh eiridh.” Le sin fhuair e brògan an duine, agus chuir e air an teine iad, dh’fheuchainn an d’toireadh sin air a namhaid gluasad. “Cha toir sin orm carachadh, mo laochan,” ars am brocair. An sin chuireadh na h-osanan air muin nam brog, agus a bhrigis air muin sin, ach cha d’thug so air an duine gluasad. Mu dheireadh chuir an sionnach teine ris an eudach-leapa, ris an leabaidh, agus ris an fhodar air an robh am brocair ’na shuidh, agus ann am prioba na suile bha na lasraichean a ruigsinn mullach an taighe. Le so leum an duine suas ag eigheachd, “Cha-n urrainn domh cur suas le so,” agus cha robh an sionnach fada ’gabhail a’chothrom agus a’ faighinn a mach troimh an cheò agus an upraid. Tha sinn a leughadh ann an paipear Albannach gu robh droch innleachd air a dealbh o chionn ghoirid air son tigh na Parlamaid ann an Lunnuinn a smuideadh as a cheile. Bha paipear Turcach air a chlo-bhualadh anns a bhaile fad aireamh sheachduinean, agus fhuaireadh a mach uaith gu robh e ’m beachd na feadnach a bha ga chur a mach ionnsuidh a thoirt air cur as do thigh na parlamaid. Bha iad ag iarraidh cuideachadh air daoine ann an duthchannan cein, agus tha e ro choltach gu robh iad a dol ga fhaotainn, ach fhuair am police fios air na bha iad a’ cur rompa, agus cha’n eil tegamh nach bi na h-uilc air an cur far nach dean iad cron air tigh parlamaid no air rud sam bith eile. Faodaidh an cat sealltainn air an righ. Ann an Tircan Cein. Bha a’ choinneamh chleachdail bhliadhnail aig muinntir Wales air an t-seachdain a dh’fhalbh; agus is e aon do na cumhachan fo am bheil na coinneamhan so air an gleidheadh, a réir beul-aithris nan seann draoidhan Breatunach, gu’m bheil sìth a buadhachadh feadh an t-saoghail; ach tha sinn duilich a leughadh anns na làithean so féin nach ’eil aobhar na sìth cho soirbheachail is a bu mhaith leinn. Tha gruaim air aghaidh na tire feadh na h-àirde an ear, a tha toirt iomagain do mhòran. Tha trioblaid is àr am measg an t-sluaigh ann an dà chearn do impireachd an Turcaich a tha deanamh geur leanmhuin air na graineinean beaga do Chriosdaidhean a gheibhear ann am Macedonia agus ann an Armenia. Agus a rithis ann am Madagascar tha na Frangaich a’ giulan cogaidh air aghaidh anns am bi mòr shluagh air an call. Agus mu dheireadh air an t-seachdain so fein tha sgeul tiamhaidh air tighinn á China far am bheil deich no dusan do mhissionaries, a’ chuid is mò dhuibh mnathan air am mort air doigh narach agus shalach.—Oban Times. Litir a New Zealand. MO CHARAID:—Tha mi a’ cur thugaibh òrdugh thigh-litrichean air son da thasdan deug us sia sgillinn (12s. 6d.) bho Mhr Alasdair Ceamp agus bhuam fein air son bliadhna eile dhe’n Mhac-Talla. Bidh sibh cho math agus ar n-ainmeannan a chur am measg “Iadsan a Phaigh.” Tha mi an dochas nach eil mi deireadh leis. Tha mi cuideachd a’ cur thugaibh litir a fhuair mi o Mhr Domhnull Rothach. ’Se ’s docha leam gu’n cuala sibh bhuaithe roimhe so. ’Se ’n litir aige ’n teachdaire ’s fhearr sam bith air son innse dhuibh mu’n chomhairle mhath tha e toirt oirbh, ma bheir sibh fa-near i. Rinn mi toileachadh mor ris an litir a St. Ann’s bho “Dhonnacha Doun.” Tha barail mhath agam cò ’n Donnacha Donn a th’ann. Thainig na deòir ’na mo shuilean a’ cuimhneachadh air an liuthad latha toilichte chuir mi sachad an cuideachd mo chairdean. Mo bheannachd leat, agus le mo chairdean ’s mo luchd-eolais. Is mise leis gach uile dheagh dhurachd. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., 8, 7, ’95. Faodar an t-òr fhéin a cheannach tuilleadh us daor. Sean Fhacail. Is e am Foghar gaothmhor a ni an coirce cathmhor. Is e ’n ceò geamhraidh a ni an cathadh earraich. Is e ’n ceann gòrach a ni na casan luaineach. Is e ’n cadal fada ’ni an t-iomradh teth. Is e ’n t-uisge salach a ni ’nighe ghlan. Is fhearr breid na toll, ach ’s uaisle toll na tuthag. Is fhiach each math breab a leigeadh leis. Lig an t-earball leis a’ chraicionn. Leig do cheann far am faigh thu ’sa mhaduinn e. Laidhidh dubh air gach dath, ach cha laidh dath air dubh. Na ni am bodach le ’chrogan millidh le ’sprogan. Na’m bu toigh leat mi fhein cha bhuaileadh tu mo chu. Cha’n aithnichinn e ged thachradh e ’n am bhrochan orm. Fao’chadh gille ’ghobha; bho na h-ùird gus na builg. Far am bi an t-iasg, ’s ann a bhios na h-eòin. B’i ’n t-seachdain s’a chaidh seachdain cho blàth ’sa bha aca ann am baile-mor Lunnuinn o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha moran sluagh a mhuinntir nan Stàitean ’sa bhaile fhathast, agus tuilleadh a’ dol ’nan ceann gach seachdain. Tha iad mar gùm biodh iad ann am priosan, iad uile ’giarraidh dhachaidh agus gun de shoithichean a tigh’n thairis na bheireadh a nall iad ann an da mhios. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. [TD 79] [Vol. 4. No. 10. p. 7] A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” I.O.G.T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I.O.G.T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 80] [Vol. 4. No. 10. p. 8] CUMHA DO GHILLEASBIG MAC-GILLEAIN FEAR CHILL-MO-LUBHAIG. LE GILLEASBIG LAIDIR. FONN:—“Gaoir nam ban Muileach.” Fhuair mi sgeula mo sgaraidh Mu ’n do mhiosaich an t-earrach, Gun robh m’ eudail ga bhannadh An ciste chaoil air à sparradh, ’S e air ghiùlan aig fearaibh ’S mnathan tùrsach dheth galach.— Dh’ fhàg a bhàs fo throm-eallach ua càirdean. Dh’ fhàg a bhàs &c. Nam bu bhàrd mi cho fasant ’S a tha ’n taobh so de Shasunn, Dh’ innsinn sios dhuibh an eachdraidh Mar-a-thànig na gaisgich, Na fir òga, dheas, dhreachdmhor, ’Choisinn cliù ’s cha bu mhasladh, ’S tha ’nis sgaoilte mar ghainimh na tràighe. Mo theinn chruaidh mar a thachair Gu bheil Teàrlach an tasgaidh, ’S fear ’s na h-Innsibh de d’ mhacaibh; ’S òg a ghabh e bhuainn astar; ’S iomadh aon a ghabh beachd air; Gun robh spionnadh ’na ghlacaibh; Bha e cruadalach, sgairteil, fior-àluinn. Latha ’Nollaig so chaidh Bha na h-uaislean gun aighear Mu dheagh Cheannard an rathaid Ga ’n robh leigeadh is gabhail, Gur a cruaidh leam an t-saighead ’Chuir ’s an ùir tha ’n ad laighe:— Ach de ’m fàth dhuinn ’bhi gearan na dh’ fhàg sinn Bu tu coltas a’ ghaisgich ’Dheanadh ’ghiomh anns a bhaiteal.— Taobh do chùil gun robh tlachd ort, Ceum bu rioghail air faiche, Gruaidhean min-dhearg, daithte, Beul na fìrinn ’s a’ cheartais; Cha b’ i ’n fhoill’ bhiodh ad bheachd ’n uair bhiodh mòd ann. ’S ann ad cheann a bha ’n riaghailt, ’S mòr an tuigse ’bha riamh ann.— Ged a ruigeadh ua ciadan Gu ceann-uidhe na fialachd Cha bu doicheall a dheante, Bhiodh gach ni mar a dh’ iarrteadh, ’S bheirteadh deoch mar bu mhiann agus ceòl dhaibh. Bha thu ’theaghlach nan curaidh ’Choisinn cliù ’s a fhuair urram, Leibh a dh’ éireadh gach duine ’Nàm ’bhi ’tràghadh nam buideal. Bhiodh ur gillean air stuidear Ag òl fiona le furan,— Ochain, thriall sibh nis uile air falbh bhuainn. Taing do Dhia mar a tha sinn Gu bheil mac ann at áite, Slat de ’n iubhar a’s àille, Fiuran foghainteach làidir. Càit am faicear fear àilleachd, No fear spìonnadh a ghàirdein? Cha’n e breug tha mi gràitinn ’s cha bhòsd e. ’S iomadh baintighearn’ òg éibhinn Ann an Sasunn ’s an Eirinn ’S ann am baile Dhuneideann ’Chunntadh miltean gun déidh orr’ Airson fhaotuinn mar chéile, Am flath eireachdail ceutach A ghrad-thilleadh leis féin an luchd-tòrachd. Sguiridh mise ’s gun tàmh mi; Tha mo chridhe gu sgàineadh ’S mi a’ smaoinntinn mar tha mi Gun cheann-cinnidh, gun chàirdean A ni feum ann am chàs dhomh. Chaidh mo chuideachd a sgànradh ’S luchd na foille tha nan àiteachan comhnuidh. Cannadh,—putting bands on. Sgànradh, scattering. Luchd na foille, the Campbells. Mo Mhathair. Co thog mi air a broilleach tlàth, ’S a thàlaidh mi gu suain le bàigh, ’S a dh’ altrum mi na h-uchd le gràdh? Mo Mhàthair. ’N uair theich an cadal fada uam, Có thog an guth ’bu bhinne fuaim, Air chor ’s gun thuit mi ann am shuain? Mo Mhàthair. Cò dh’ fhair thairis orm gu caomh; ’S mi ’m laighe anns a’ chreadhail fhaoin, ’S a shil na deòir le bàigh cho caoin? Mo Mhàthair. Fo easlainte ’n uair bha mi ’n sás, Bho àm gu àm na ’s laige ’fàs, Cò ghuil le geilt gum faighinn bàs? Mo Mhàthair, Cò a ruith gu m’ thogail suas, ’S a chagair sgeula binn am chluais, ’S a phòg air falbh mo leòn le truas? Mo Mhàthair. Cò air ùrnaigh ’dhùisg mo dhéigh, Air Facal Naomh ’s air Latha Dhé, ’S air triall na shlighe dhìrich, rèidh? Mo Mhàthair. Am faod e bhith nach deanar leam Caidreamh is caoimhneas riut gach àm, A bha cho bàigheil, caoimhneil, rium, Mo Mhàthair? Chan fhaod; b’ e sin a bhith gun truas; ’S ma chumas Dia mo bheatha suas, Cha bhi do chaoimhneas dhomh gun duais, Mo Mhàthair. ’N uair dh’ fhàsas tusa lag ’s a’ chéum, Gheabh thu do lorg o m’ ghàirdean fhéin, ’S bidh mi am thaice dhuit ad fhéum, Mo Mhàthair. ’N uair chailleas tu do lùgh ’s do threòir, Ni mi caomh fhaire ort le deòir, A dh’ oidhch’ ’s a latha bidh mi ’d chòir, Mo Mhàthair. Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean nachdair fhan, deacaidean agus cheòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 81] [Vol. 4. No. 11. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 21, 1895. No. 11. Mo Chuairt Shamhraidh. Thuirt mi nach robh mi cuibhteas Loch Ainslie fhathast. Bha mi ’n dùil beagan a radh mu’n Mhinnehaha, an bàta beag smùide a tha ruith air an Loch. Is bàta grinn i. Giùlanaidh i mu chòig air fhichead gu comhmurtail, agus le bhi car dùmhail, gabhaidh i deichnear a bharrachd air sin. Tha i ’cur cuairt air an loch tri uairean ’san t-seachdain, fhad ’sa cheadaicheas an t-side, a fàgail Ceann an Locha ’sa mhaduinn, a’ dol Amhuinn nam Breac, á sin gu Bun na h-Aimhne, á sin dh’ an Loch Bhan, agus an sin a tilleadh gu Ceann an Locha, a taghal aig Amhuinn nam Breac. Gheobh duine chuairt so a chur air son còig sgillinn deug, agus do dhuine rachadh ann air sgath an t-seallaidh a gheobh e air an dùthaich mu’n cuairt, b’ fhiach i a chòig uiread. Buinidh am bàta do dhithis bhràithrean, Clann ’Ic Ille-mhaoil, agus tha iad ri ’m moladh air son am bàta so chur air an loch; tha mi on dòchas gu’m pàigh i dhaibh air chor ’s gu’n téid aca air a cumail air obair. Bhiodh e na chall mor do mhuinntir an Locha air fad na’n tigeadh orra ’m bàta chur air falbh. PORT HOOD. An deigh dhomh bhi beagan lathaichean aig an tigh a rithist, fhuair mi cuireadh bho mo dheagh charaid, Iain mac Iain ’ic Iain, a dhol air sgriob còmhla ris gu Port Hood. Cha robh mi riamh roimhe anns a’ bhaile sin, agus bhithinn glé dheònach a dhol ann ged nach biodh companach cho math agam idir. Dh’ éirich mi gu math tràth ’sa mhaduinn, rainig mi àit Iain mu shia uairean, agus dh’ fhalbh sinn a gabhail rathad na h-Aimhne Muileich, agus ’s ioma direadh us teàrnadh cas a bh’ againn ri dheanamh. Tha an rathad a’ dol troimh choille, ’s tromh bharrein ’s troimh àiteachan briagha tuathanachais fad ochd mile deug. Bha ’n Amhuinn Mhuileach air a h-àiteachadh an toiseach le daoine mhuinntir Mhuile agus mar sin thugadh an t-ainm oirre. Tha fearainn bhriagha ri fhaicinn oirre, moran dhiubh air an oibreachadh gu math, ’s moran eile nach eil, rud a tha fior mu ’n chuid mhor de Cheap Breatuinn. Ri ’n gabhail thar a chéile, cha ’n eil fearainn na dùthcha air fad an diugh idir cho math air an oibreachadh no cho torach ’sa bha iad deich bliadhna roimhe so. ’S e ’s coireach ri sin an òigridh a bhi togail air falbh do na Stàitean ’s do dhùthchannan eile anns an robh obais pailt agus tuarasdail mhora ’sna bliadhnaichean roimhe so. Bha gach gill’ òg, ach ainneamh, a fàgail a dhachaidh co-luath ’sa thigeadh e gu ire duine agus mar sin tha moran de na fearainn air am fàgail ann an droch shuidheachadh, air ruith a mach gu neoni, fo luibhean ’s fo luachair ’s fo choille, agus bheir e bliadhnaichean de dh’ obair chruaidh an cur air ais ’nan àite fhéin a rithist. Is i mo bharail gur a gòraiche mhor do dhuin’ og fearann fhagàil air son a dhol ’ga chosnadh. Ged bhiodh an tuarasdal mor bi’dh a chosgais da réir, agus ged a chuireadh e airgead ma seach, cha ’n fhada mhaireas e an coimeas ri fearann air a dheagh oibreachadh. Ach tha na lathaichean sin gu bhi seachad. Tha ’n cosnadh gu ire bhig air teirgsinn anns na Stàitean, agus tha muinntir na dùthcha so a’ fòghlum gur fhearr dhaibh sealltuinn ri ’n dùthaich fhéin air son am beòlaind na ri duthaich sam bith eile. Faodaidh mi bhi air mo mhealladh, ach tha mi smaoineachadh ge be cò bhios beò deich bliadhna o’n diugh, gu faic e nach bi ach glé bheag de mhuinntir an eilean so air falbh ’g an cosnadh, agus gu’m bi iad moran na’s fhearr air tàilleabh sin na tha iad aig an àm so. Ni ’s fhaide air adhart gu Port Hood, bha againn ri dhol troimh ’n Amhuinn a Deas. Is àite briagha da rireadh an Amhuinn a Deas, àite tuathanachais cho math ’sa tha air an eilean. Tha na tuathanaich a th’ oirre cho dòigheil ’sa tha ’n latha cho fad, agus gu dearbh mur bitheadh ’s e ’n coire fhéin a bhiodh ann. Tha intervales mhòra aca a chumas fiar riutha o bhliadhna gu bliadhna gun uiread us spaid leasachaidh a chur orra, agus tha ’n talamh àrd cho math ’sa dh’ iarradh iad air chùl sin. Feadhain sam bith aig am bheil fearainn air ’n do bhuilich nàdar na h-uiread, ma bhios iad fhéin dichiollach, deanadach, cha ruig iad a leas dith no deireas a bhi orra. An deigh an Amhuinn a Deas a chur ’nar deigh lean sinn romhainn gus an d’ rainig sinn ar ceann-uidhe. Astar beag bho ’n bhaile tha tom mor coille agus allt beag a ruith troimhe ris an canar Milebrook, a chionn e bhi mu mhile bho’n bhaile. ’Nuair a fhuair sinn as an tom sin bha mhuir fhosgailte mur coinneamh, agus air tearnadh sios faisg oirre ’s tionndadh air ar làimh dheis, bha sinn ’sa bhaile. Cha ’n eil ann ach baile beag, moran ni’s lugha na bha mi ’n dùil, agus tha e ’g amharc na’s lugha na tha e leis cho sgaipte ’sa tha na taighean ann; ach tha e ’sgiamhach ’na shuidheachadh’ air aodann bruthaich a tha ’g éiridh suas o oir a chladaich. Tha àireamh de thogalaichean briagha ann mar tha tigh-na-curtach, an eaglais Chaitliceach, agus moran de thaighean còmhnuidh. Tre chaoimhneas duine chòir air ’n do chuir mi eòlas an latha sin fhéin, Iain Mac Isaic, fhuair mi dhol troimh thigh-na-cùrtach agus troimh ’n phriosan a tha fodha. Tha e na thigh gasda; chosg e suim mhath do’n t-siorrachd, ach ’s fhiach e uile e. Tha e air uidheamachadh a muigh ’sa stigh cho math ’s bu choltach do thigh a chaidh a chur suas air son ceartas a dheanamh eadar duin’ agus duine. Bha am priosan falamh; an duine mu dheireadh a bh’ ann, tha e nise cur seachad ùine anns an tigh-oibreach, agus cha d’ fhuaireadh aig an àm ud aon duin’ eile ’san t-siorrachd air fad a bha toilltinn a chur fo ghlais. Air leam nach olc an comharra sin air an dùtharch. (Ri leantuinn.) [TD 82] [Vol. 4. No. 11. p. 2] BLAR NA STAIRSNICH. LE GEORGE ROY. Is fuathasach an uaill ’s an othail a bhios air daoine mu ’m blaraibh, an euchdan-cogaidh, an gaisgich ainmeil, chliùiteach, ’s cha ’n ’eil fhios ciod; agus cha ’n iad a mhain na blaraibh fein a tha iomraiteach—feumar farum mor a dheanamh mu eachdraidh nam blar fo linn Oisein a nuas gus an tuasaid mu dheireadh a thachair ’n ar linn ’s ’n ar latha fein. Am fear is deise ’s is eireachdaile ’chuireas an ceill do ’n t-saoghal mu threubhantas nan curaidh a sheas no ’thuit ’s an strith, tha e air ’ardachadh gus an t-ionad is airde ’n am measg-san a tha air am meas airidh air fleasg ’s air suaicheantas na h-onoir. Cha ’n abair mi gu bheil so mar nach bu chòir dha; cha ’n ’eil mi ach a’ tighinn thairis air ga m’ neartachadh ann a bhi a’ tagradh gu ’m faigheadh mo bhan-acharaid labhrach, Mairi Nic-an-Rothaich a h-aite fein am measg na dream a mheasar airidh air cliu nam bard ’s nan eachdraiche; oir tha mi dearbhte nach ’eil i dad air dheireadh air an fhear is cumhachdaiche dhiubh ’n uair a theid i an cinnseal sgeoil mu na batailtean a chunnaic a da shuil fein. Agus tha aon bhuaidh air a naidheachdan: tha iad a’ sruladh a mach as a beul gun umhail sam bith aice gu bheil i a’ cur an ceill ni air bith ùr no annasach. Thachair mi oirre an latha roimhe ’s mi a’ gabhail ceum a sios an rathad. Dh’ aithnich mi air a h-aodann gu ’n robh rud-eigin sonraichte air a h-inntinn. M’ am b’ urrainn domh facal a radh thuirt i, “A bhean mo ghràidh, nach ’eil naidheachd agam dhuit!” Arsa mise, “Ma ’s naidheachd mhath i mar is luaithe chluinneas mi i ’s ann is fhearr.” “Cha ’n ’eil ’fhios agam,” ars’ ise, “co dhiubh their thu gur math no gur h-olc i; ach ’d é do bharail, ’n uair dh’ innseas mi dhuit gu ’n robh blar na dunach air an stairsnich an dé eadar Anna bean Iain-Mhoir, Peigi bean Dhonnachaidh Mhicheil, agus Mairi bean Dughaill Mhic-Pharlain. “Is naidheachd sin da-rireadh,” fhreagair mi. “Naidheachd,” ars’ ise, “ris an robh suil agam o chionn iomadh latha. Cha b’ urrainn do ’n chairdeas ud a bhi buan; bha iad direach gairsinneach—’n an grain do ’n choimhearsnachd gu h-iomlan—Nic-Ille-Mhicheil ’s an dara ceann, bean Iain-Mhoir ’s a’ cheann eile, agus Nic-Pharlain ’s an tigh mheadhoin. Bho mhoch gu dubh bha an dorsan sinnte fosgailte, ’s rachadh iad a mach ’s a stigh ’s ghlaodhadh iad a mach ’s ghlaodhadh iad a stigh, ’s cha robh creutair a thigeadh an rathad nach feumadh iad a bhi mach aig na dorsan a’ spleuchdadh air; agus b’ i Nic-Pharlain—o nach ’eil duine cloinne aice fein—a b’ aon traill do ’n dithis eile; cha ’n fhaiceadh tu i o mhoch gu feasgar nach robh cuid d’ an iseanan aice air a gairdean. Ach cha ’n fhaca mi a bheag de mhath riabh air eirigh o ’leithid so de chairdealachd, ’s cha mhò ’chunnaic mi e a’ marsainn fada. Bha, uime sin, ioghnadh orm cuin a thigeadh e gu aon-cheann; ach ’s beag suil a bh’ agam gu ’n tigeadh e le cho beag aobhair. Tha e coltach gu ’n robh an da bhalachan, mac Peigi Mhicheil, agus mac Anna Iain-Mhoir, ’a cluicheachd mu na dorsan agus air son ni-eigin faoin chaidh iad thar a cheile, mar is tric a ni clann bheag, agus ghabh an dithis am badaibh a cheile. Tha na balachain mu ’n aon aois, mar a tha fhios agad, agus bha ’choltas air an strith gu ’m biodh i righinn. Tha mac Anna cuid mhath na ’s mò d’ a aois na am fear eile agus bha ’shaod air lamh an uachdar fhaighinn thairis air Mac-Ille-Mhicheil, ’n uair thainig Peigi Mhicheil a mach agus thugaidh i sgailc ’s an leth-cheann do mhac Anna Iain-Mhoir. Ach mo chreach ’s mo sgaradh! bu mhath dhi na ’n do ghleidh i a da lamh aice fein, oir có bha ag amharc oirre ach Anna i fhein, agus gun fhacal a radh, a mach thainig i agus rinn i a leithid eile air mac Peigi Mhicheil, agus thoisich a’ bhrionglaid ann an da-rireadh. Thuirt Peigi-Nic-Ille-Mhicheil ‘gu ’m bu neonach leatha Anna Iain-Mhoir a dh’ fhuilingeadh do sgonn balaich coltach ri a mac, buille ’thoirt do ’n leanabh.’ “‘An leanabh!’ arsa Anna Iain-Mhoir, ‘is i mo bharail gu bheil e cho sean ris-san; agus na ’m biodh a chuid bidh a’ dol ann an craicionn cho fallain, dh’ fhaodadh e bhi a cheart cho mor ris; ach,’ ars’ ise, ‘thainig e de chinneach truaillidh co dhiubh.’ “‘Cinneach truaillidh!’ arsa Peigi Mhicheil. “‘Seadh direach cinneach truaillidh,’ arsa Anna; ‘ciod a tha ’n a athair ach an troicheilein truaillidh, bochd?’ “‘Is fearr a bhi beag,’ arsa Peigi Mhicheil, ‘agus a bhi iomlan, na bhi mor agus a dh-easbhuidh cuid d’ a bhuaidhean; taing do ’n Fhreasdal tha a chlaisteachd aige.’ “Bha so ’n a bhuille trom do dh-Anna; oir tha e coltach gu bheil Iain-Mor ro mhaol ’s a’ chlaisteachd, agus tha iad a’ feuchainn r’ a chumail uaigneach. Cha ’n ’eil fios cuin a sguireadh na mnaithean mur tuiteadh do Mhairi Nic-Pharlain tighinn a mach. Ars’ ise, ‘Nach sibh an da oinseach, a’ deanamh a leithid de iorghuill mu chonnspaidean cloinne. Shaoil mi gu ’n robh tuilleadh gliocais agaibh. Bidh a’ chlann a’ falbh ’s an lamhan gu cairdeil mu amhchannan a cheile, agus sibhse a’ cumail suas gamhlais agus droch rùin; ach na ’m biodh sibh a’ deanamh mar bu choir dhuibh, agus ’g an gleidheadh taobh a stigh nan dorsan, bhiodh na bu lugha cònnsachaidh ann.’ “‘Nach ann agad a tha ’n dearg aghaidh,” arsa Anna Iain-Mhoir. “‘Cha ’n ’eil mi ’faicinn ciod e an gnothach a tha agadsa buntainn ris a’ chuis,’ arsa Peigi Mhicheil; ‘ach cha ghnothach doirbh do chuid cloinne-se ’chumail aig an tigh.’ “‘Cha ’n eadh gu dearbh,’ arsa Anna Iain-Mhoir, ‘cha chuir iadsan na truaghain bhochd, moran dragh air a’ choimhearsnachd!’ “Nis, tha fios agad fein nach ’eil Mairi Nic-Pharlain ’n a boirionnach connspaideach; thill i air a sail, chaidh i stigh, dhuin i an dorus, agus rinn an dithis eile mar an ceudna. “Ach is fhada m’ am b’ e so a bu deireadh do ’n chluich; bha aig Peigi Mhicheil coinghioll poite bho Anna Iain-Mhoir; cha luaithe bha a dorus duinte na thilg i fosgailte e, agus a’ sin a’ fosgladh dorus Anna, thilg i stigh a’ phoit ag radh, ‘So, sin agad do phoit;’ agus ciod a th’ agad air ach gu ’n do bhrist i a’ phoit. “Ach, air an laimh eile, bha Anna Iain-Mhoir gu bhi cho fada mach rithe fein; oir tha e coltach gu ’n robh aice-se coinghioll d’ an eachan aig Peigi Mhicheil; agus an uair a bhi i ’g a shlaodadh a mach gu thilgeil a stigh mar a rinn an te eile air a’ phoit, thainig i tarsainn air ciobhal an doruis leis agus bhrist i e. Bha an da chailleach mar so air an aon ruith—rinn an t-eachan briste mu choinn [TD 83] [Vol. 4. No. 11. p. 3] eamh na poite briste. Dhuin iad an dorsan a rithist agus shaoileadh tu gu ’n robh gach ni thairis; ach thachair gu ’n robh an tri fir phòsda, Donnachadh Mac-Ille-Mhicheil, Iain-Mor, agus Dughall Mac-Pharlain, a’ tighinn dachaidh comhladh aig a’ cheart am ud agus sheas iad a bhruidhinn car tiota mu choinneamh an doruis. Mar bha an comhradh gu bhi thairis, a mach chuir Anna Iain-Mhoir a ceann, agus ars’ ise gu crosda, “Iain-Mhoir, thig a stigh thun do bhrochain, agus na bi a seasamh a’ sin ri goileam gun seadh; b’fhearr leam gu ’n taghadh tu do chuideachd.” Bha na tri fir a’ tionndadh m’ an cuairt le ioghnadh, an uair tharraing Peigi Nic-Ille-Mhicheil an aire, ag ragh gu h-athaiseach, diongmhalta, “Seadh, a Dhonnachaidh Mhic-Ille-Mhicheil, thig a stigh a’s gabh do thea agus leig le Iain-Mor dol a stigh a ghabhail a bhrochain—brochan, brochan, brochan a ghnath; cha’n iongantach an duine truagh a bhi bodhar; tha a chlaigeann tiugh, stallachdach air a dinneadh làn brochain.’ “Fhreagair bean Iain Mhoir a cheart cho athaiseach agus neo-ar-thaing cho nimheil ris an te eile, ‘Seadh Iain-Mhoir thig a stigh thun do brochain, agus leig le Donnachadh Micheil dol a stigh thun a thea; tha an duine truagh bochail mu ’n tea: is e a’ chiad fear d’ an t-sliochd no d’ an ghinealach a bhlais riabh tea; cha mhor tea a fhuair ’athair, Domhnull, a bhasaich an tigh-nam-bochd.’ “Bha Peigi Mhicheil dol a’ fhreagairt le rud-eigin a radh mu shinnsreachd Iain-Mhoir, a b’ abhaist, a reir iomraidh, a bhi a’ togail chorp; ach chuir an da fhear posda stad air an t-seanchus le fheoraich ciod air talamh a bu chiall do’n chainnt sgainnealaich so. Thoisich an dara te air cur as leth na te eile gu ’n do leth-mharbh i a balachan; agus cha robh a shaod air na fir gu ’n tuigeadh iad cuisean idir, ’n uair a chuir Donnachadh Mac-Pharlain, aig a bheil teangadh gle sgaiteach, a mach a cheann ’s thuirt e, ‘Fhalbh, fhalbh, cha’n eil ann ach da chat a’ cur a mach air a cheile mu ’n cuid phiseag.’ “Thug so an gnothach gu aon-cheann; oir dhi-chuimhnich an dithis bhan an connsachadh fein, leis a’ chorruich anns an do chuir iad iad fein a chionn de dhanadas a bhi aig Mac-Pharlain ‘piseagan’ a’ radh ri ’n cuid cloinne-san. Cha bu mhath leamsa tighinn thairis air a’ chainnt a ghnathaich iad ris. Faodaidh tu bhi cinnteach nach do dhi-chuimhnich iad innseadh dha nach ’eil “piseagan” idir a’ cur dragh airsan. Tha mi dearbh-chinnteach gu ’m b’ fhearr le Mac-Pharlain gu ’n do ghleidh e a theangadh ’n a phluic oir bidh a cheann air liathadh m’ an cluinn e a’ chuid mu dheireadh de ‘na cait ’s an cuid phiseagan.’ Coma co dhuibh, tha na coimhearsnaich a’ cumail an dorsan duinte ’nis, ’s cha chreic mi nach faigh sinn sith gu dol a mach ’s a stigh an dá latha so gun suilean a h-uile aon a bhi oirnn mar a b’ abhaist.” Sin agaibh naidheachd Mairi Nic-an-Rothaich, facal air an fhacal mar fhuair mise i; tha mi an duil gu ’n aidich sibh gur airidh an boirionnach gleusda air cùileig bhig am measg na muinntir a dh’ aithris dhuinn mu na blaraibh ainmeil a choisinn cliu do ’r duthaich. Eadar. le IAIN ’IC UILLEIM. Cha b’ e Lunnuinn leis fhéin a bha fulang leis an teas air a mhios so. Tha Paris ceanna-bhaile na Frainge air an aon ruith. O thoiseach a mhios so tha teas mor ann, agus cha’n eil e ’fàs dad na’s fionnaire. CUNNTAS SHEUMAIS. Bha Seumas beag a’ dol do ’n sgoil, agus bha e direach a’ tòiseachadh air cùnntas. Bha e aon oidhche ’na shuidhe aig a’ bhòrd an deigh a shuipear a’ ghabhail, a leabhar ’na dhòrn ’s e cho dichiollach ag ionnsachadh a leasain ’s nach robh e toirt fa-near ciod a bha ’athair ’sa mhàthair ag ràdh gus an cual’ e athair ag innse gu’n d’ thainig coimhearsnach dhaibh, Tòmas Dunn dhachaidh air an dáll dhaoraich an oidhche roimhe sin. “Dh’ òl e deich gloineachan fiona,” ars esan. “Bha nàire orm tigh’n dachaidh còmhla ris.” Thog Seumas a cheann. “Cia meud gloine dh’ òl sibhs’ ’athair?” “Cha d’ òl mise ach aona ghloine,” ars ’athair. “Ma ta,” arsa Seumas, “bha ’n deicheamh cuid de’n daoraich oirbhse.” “Bi sàmhach!” ars athair, ach lean Seumas roimhe. “Bha, sibh a bha! Ma chuir deich gloineachan Mr. Dunn air an dall dhaoraich, feumaidh gu’n do chuir aon ghloine sibhse air an deicheamh cuid dhe’n daoraich: agus—” “So, So!” ars ’athair, “tha’n àm t-agad a bhi toirt na leapa ort. Na dean an còrr cùnntais an nochd.” Chaidh Seumas a chur a chadal, ach bha e smaoineachadh gu trang, agus mu’n do thuit e buileach na chadal, thuirt e ris fhéin, “Mur biodh Mr. Dunn air aon ghloine òl cha b’urrainn dha ’n daorach a ghabhail; agus na’m biodh Daididh an deigh naodh gloineachan eile òl bhiodh esan air an daoraich cuideachd. ’Se ’n dòigh a’s fhearr gun gloin’ idir òl, agus ’se sin a ni mise” agus ann an tiota bha e ’na shuain chadail. Bha athair an uair sin a bruidhinn ris fhéin, “Cha-n eil Seumas fada cearr, an deigh a h-uile rud. Cha-n eil e sàbhailte eadhon aon ghloine òl, agus feuchaidh mi ’m màireach ri toirt air Mr. Dunn sgur a dh’ òl gu buileach, agus ni mi fhéin an ni ceudna.” Bha e cho math ri ’fhacal; sguir e fhéin ’s Mr. Dunn còmhla, agus cha-n eil fhios aig Seumas beag fhathast gu’n d’ rinn e feum cho mor le chuid cùnntais air an oidhch’ ud. Tha té de na craobhan a’s sine am Breatunn ri faotainn faisg air Bristol air an oighreachd aig Iarla Ducie. Tha i air a chuid a’s lugha mile bliadhna dh’ aois. Tha i leth-cheud troigh mu’n cuairt aig a bun. Deich troighean o’n làr tha i dol ’na tri meanglain mhora, fear dhiubh deich troighean fichead mu’n cuairt. ’Se craobh gheanm-chno (chestnut) a th’ innte. Tha craobh eile, craobh dhroighinn, faisg air Lunnuinn a tha anabarrach sean. Tha gàradh air a chur mu’n cuairt d’i air son a cumail sàbhailte. ’N uair a bhios i fo bhlàth tha i ’na sealladh eireachdail. Tha uisgeachan troma tuiteam ann am Pittsburg, Kansas; na’s truime na chunnacas a tuiteam ’san àite sin riamh roimhe. Tha ’n dùthaich fo thuil, agus na ròidean iaruinn a tha dol troimh ’n bhaile air an sguabadh air falbh, ’s na carbadan air an cur ’nan stad. Bha duine diadhaidh ann aon uair air an robh diùmadh mòr aig an righ. Chuir an righ teachdaire d’a ionnsuidh a dh’ innseadh dha gu robh e gus a bheatha thoirt air falbh; agus co dhiubh a bhiodh e air muir no air tìr gu rachadh a ghlacadh an ùine gun bhith fada. “Abair thusa,” ars’ an duine diadhaidh, “ris an rìgh gu faod e a thoil a dheanamh; ach a dh’aindeoin a chumhachd agus a chorruich gu’m bi mise an dara cuid air nèamh ar neo fo nèamh gun taing dha. [TD 84] [Vol. 4. No. 11. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 21, 1895. Litir Bheag a Ontario. A CHARAID:—Tha mi sgriobhadh ugaibh mar charaid, a chionn gu bheil fhios agam gur a Gàidheal sibh, agus gu bheil a’ Ghàilig agaibh. Is duin’ òg mise mu choig bliadhn’ deug air fhichead a dh’aois. Cha’n eil ach fior bheagan Gàilig air a labhairt an am choimhearsnachd, agus mar sin cha d’fhuair mi ach droch chothrom air a h-ionnsachadh; ach dh’ionnsaich mi beagan dhith agns chuir mi romham mi-fhéin a theagasg innte, oir bha mi ’meas gu’m bu chòir do Ghàidheal a bhi comasach air cainnt a phàrantan a labhairt ’sa leughadh. Agus tha mise ’g radh ribh gu’n d’rinn mi toileachadh ’nuair a chuala mi mu’n MHAC-TALLA, agus chuir mi g’a iarraidh gun dàil. Tha mi a’ faotainn air adhart glè mhath leis. B’fhior thoigh leam sgriobhadh ugaibh anns a’ Ghàilig, ach cha téid agam air sin a dheanamh fhathast. Is e mo bharail gu bheil ur phaipear gasda na shàr mheadhon air fòghlum a thoirt do dhoine anns a Ghàilig, ma tha beag no mhor aca dhith gu tòiseachadh air iad fhéin ionnsachadh, no ma tha bheag de mheas ac’ oirre mar chanain. Tha mi an làn dhòchas gu’n dean Clannaibh nan Gàidheal an uile dhichioll air an aon phaipear Gàilig a th’aca, cha’n e mhàin a chumail suas, ach a chur air bonn bhar nach fhurasda charachadh. Is bochd a chùis mur a dean iad sin. Gheobh sibh dolair anns an litir so air son bliadhn’ eile dhe’n phaipear, agus ’nuair a bhios a bhliadhna sin seachad, mur a ruig dolair eile sibh thoiribh cogar dhomh agus ruigidh e sibh gun moran ùine chall. Is mise ur caraide dileas. R. I. GRANND. Gleann Chashion, Ont. Fhuair fear Uillam Conbrough ann an Glascho ochd bliadhna dhe’n tigh-oibreach o chionn ghoirid air son ionnsuidh a thoirt air a bhean ’sa nighean a mharbhadh. Bha aig ministear uair ri càraid òg éigheach anns an eaglais, agus dhiochuimhnich e e gus an robh e dol a’ thoirt a mach a chinn-theagaisg. Ghairm e an sin le cabhaig gu robh Iain Cléireach agus Ealasaid Stiùbhart gu bhi air am pòsadh air Di-màirt a bha tighinn. Agus gun uiread us ’anail a tharruinn, leugh e ’n ceann-teagaisg, “Agus bithidh staid dheireannach an duine sin ni’s miosa na a thoiseach.” ’Sé ’m bàta Geancach a fhuair an réis air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha’n cupan ri fuireach anns na Stàitean aon bhliadhna eile. Ma’s math ar barail ’s ann am Breatuinn a thugadh seachad mar dhuais e an toiseach. Choisinn bàta Geancach e o chionn còrr us leth-cheud bliadhna; thug i nall leatha e ’s cha deachaidh e air ais riamh fhathast, a dh’aindeoin gach ionnsuidh a thugadh air. ’S fhiach an cupan mu cheud gini, agus thatar air àireamh mhor mhiltean de dh’airgead a chosg a feuchainn ri chosnadh. Cha’n e a luach idir a tha iad a sireadh ach an onair Sean Fhacail. Is fhearr iarunn fhaotainn na airgead a chall. Is fhearr fuigheall fanaid na fuigheall farmaid. Is fhearr sguab am bliadhna na adag an uiridh. Is fhearr leisgeul salach na ’bhi gun leisgeul idir. Is math an saoghal seo ma mhaireas e. Is math nach eil iuchraichean an domhain fo chrios na h-aon mhnatha. Is math gu’n foghainn nighean gobha do dh’ogha ceaird. Is minig a bha droch bhròg air mnaoi greusaiche. Is minig e thainig comhairle ghlic à ceann amadain. Is miosa na’n uireasbhuidh tuilleadh s’a chòir. Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean nachdair fhan, deacaidean agus cheòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosodadh.” “Tha sin ceart’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 85] [Vol. 4. No. 11. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh meairle dheanamh ann an tigh nan-litrichean, ann an Frederickton, N. B., o chionn ghorid; litrichean a ghoid anns an robh mach ’sa stigh mu choig mile dolair. Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast co rinn a ghoid. Tha na h-ùbhlan a réir coltais gu bhi glé shaor am bliadhna. Tha iad anabarrach pailt ann an Nova Scotia, agus ann an Ontario tha iad cho pailt ’s nach fhaighear pris a’s fhiach orra idir. ’S math sin dhaibhsan a bhios ’gan ceannach, ach cha bhi e cho math dhaibhsan a tha ’g an creic. Chi ar luchd-leughaidh gu bheil ar caraide, Niall Domhnullach, am Baddeck, a dol a thoirt ionnsuidh air faotainn a stigh mar fhear-comhairle (councillor) do sgireachd na h-Aimhne Tuath. Cha ’n eil teagamh sam bith againn, ma chuirear a stigh e nach bi e cho math ri ’fhacal ’s nach dean e ’uile dhichioll air gach ceartas is urrainn da a thoirt do’n sgireachd. Bha grunnan math sluaigh ann an eaglais St. Andrew’s oidhche Di-màirt, ag amharc air dealbhan àiteachan iomraiteach na h-Alba, agus ag éisdeachd ri ’n eachdraidh. Bha na dealbhan air an tilgeadh le solus làidir air pios mor anairt, agus bha gach ni cho soilleir ri ’m faicinn cha mhor ’s ged a bhiodh iad gu corporra mu choinneamh do shùilean. ’Se ar barail nach robh ’n t-aithreachas air duine dhe na bha làthair gu’n deach iad ann. Fhuaireadh seann chladh air a’ chladach faisg air Cow Bay o chionn ghoirid. Bha sgioba de dhaoine ag obair air cladhach air son stéidh a chur fo dhrochaid a bha iad a cur thairis air caolas boag eadar a mhuir agus lochan uisge tha stigh o’n chladach, agus thainig iad air moran de chnamhan dhaoine anns an talamh. Cha’n eil fhios cuin a chaidh an cur ann. Tha cuid a’ deanamh dheth gu’m b’ iad na Frangaich a bha tiodhlacadh ann, agus cuid eile gu’m b’ iad na h-Innseanaich a bha ris, gu’n d’ thaing plàigh na ’m measg, ’s iad air campachadh air a chladach, a chuir as do na ceudan dhiubh, agus gu robh iad air an tiodhlacadh ’san àite ud. Bha sabaid ghrànda ann an Ceap Nòr oidhche Di-màirt s’a chaidh anns sn deachaidh coignear dhaoine a dhroch leonadh. Bha cuideachd bheag cruinn air banais ann an tigh Eobhain ’Ic Eachuinn, ghabh cuid de na daoine an daorach, agus anns an t-sabaid a bh’ aca, chaidh an còignear so a stobadh. Tha e air fhàgail air fear Iain Burton gu’m b’e rinn an cron, agus gu’m b’ ann le sgian-lùthaidh a rinn e e. Tha triùir de na daoine gle iseal. Chuireadh fios air dotair á Baddeck, ach bheireadh e da latha dheth an t-àite ruigheachd, ’s cha chuala sinn guth uaithe sin. Tha ’n t-àite glé fhad air chùl, ach tha sinn an dochas nach eil e cho fada ’s nach ruig ceartas air, agus gu’m bi iadsan a tha ciontach anns a chùis air an deagh pheanaisteachadh. Bha féill mhor ann an Toronto air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e air a mheas gu robh mu cheud mile duine air an fhéill Di-ciaduin. Tha féill bhliadhnail Eilean a Phrionnsa gu bhi ann an Charlottetown air an t-seachdain s’a tighinn. Gheobhair falbh agus tighinn eadar Sidni ’s am baile sin air son ceithir dolair gu leth. Cha ’n eil teagamh againn nach téid moran de mhuinntir an eilean so dh’ionnsuidh na féille sin. Tha féill eile gu bhi ann an St. John. ’Se so mios mam féillean. Fhuaireadh corp Caiptean Walker air an t-seachdain s’a chaidh aig Malignant Cove, far an deachaidh a long-bhristeadh ’sa bhathadh, o chionn mios. Bha e air fhalach le gainmheich ’s le feamainn, agus thugadh an corp am folais le cù a thòisich air sgriobadh na gainmheich dheth. Fhuaireadh tri fichead dolair ’sa naodh ’san sporan ’na phòcaid. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh aig Amhuinn Inhabitants, far am bheil ’athair ’sa chuideachd a’ còmhnuidh. Tha cuid-eigin a sgriobhadh á Ceap Breatunn gu paipear-naigheachd ann a’ Halifax, ’s ag innseadh gu bheil an taobh a stigh de dheich mile o ’n àit aige, ochd taighean sgoile nach deachaidh fhosgladh air an fhoghar so le cion mhaighstirean-sgoile, agus gu bheil ann an sgireachd eile faisg air, còig sgoilean gun fhosgladh air an aon dòigh. ’S bochd an sgeul so, ach tha sinn ’ga làn chreidsinn. Tha na sgoilean air a dhol air ais gu mor o chionn dha no tri bhliadhnaichean, agus mur deanar oidhearp air an cur ceart, bidh e cunnartach gu’m fàs a chlann òg suas gu’n uiread fhòghlum aca ’sa bh’ aig am pàrantan. Tha sinn an dòchas nach lean cùisean air an t-seòl air am bheil iad moran na’s fhaide. Bha cruinneachadh teaghlaich ann am baile beag an siorrachd Ghlinn-Garaidh air an t-seachdain s’a chaidh. Bha còrr us ceud gu leth de Chloinn ’Ic Diarmaid cruinn, sliochd aon duine, Donnachadh Mac Diarmaid. Rugadh an duine so ann an siorrachd Pheart ’sa bhliadhna 1757, agus chog e fo bhratach Righ Deòrsa ann an America. ’N uair a fhuair na Stàitean iad fhéin a sgaradh o Bhreatuinn, thill Donnacha dh’an Ghàidhealtachd, far ’n do phòs e. An deigh sin thainig e gu New York, agus as a sin chaidh e dh’ Ontario, far an d’ fhuair e bàs an deigh aois ceithir fichead bliadhna ’sa deich a ruigheachd. Bha e ’na eildear ’san eaglais àireamh bhliadhnaichean. Bha fear de mhic, Fionnladh, aig a chruinneachadh se, ’s e ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Tha de shliochd Dhonnachaidh beò eadar oghaichean us iar oghaichean ’s gu léir, da cheud ’s da fhichead ’s a dha. Is Eireannach Morair Dunraven, an duin’-uasal leis an leis a’ Valkyrie, agus tha e air a radh gu’n téid aige air e fhéin a shloinneadh air ais gu fear de righrean na h-Eirinn a bha beo ’san treas linn. ’Se theaghlach aon de na teaghlaichean a’s sine tha ’n Eirinn air fad. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 86] [Vol. 4. No. 11. p. 6] A GHEALACH. Labhair sinn roimhe air na reultaibh Mercuri, Bhenus, agus an Talamh, agus nochd sinn gu’n robh an làithean agus an òidhchaan aca maraon. Tha teallsanaich an dùil, gu’m bheil gealaichean aig Mercuri agus Bhenus, chum an oidhchean a shoillseachadh; ach air do na reultaibh sin a bhi co teann air a’ ghréin, cha ’n ’eil innleachd air an gealaichean fhaicinn, ma tha iad aca. Ach tha sinn cinnteach, gu’m bheil aon ghealach mhor, bhuidhe, againn fein, chum dorchadas ar n-òidhchean fhògradh air falbh; agus nì sinn dìchioll, a nis, air cùnntas goirid a toirt oirre. Cha’n eil a’ ghealach ’n a reult, mar a ta Mercuri, Bhenus, an Talamh, agus reultan eile, ach is ball cruinn i, a ta ’cuairteachadh na talmhainn againne mar tha an talamh a cuairteachadh na g greine! Tha ochd gealaichean deug, gu lèir, aig na reultaibh a bhuineas do’n ghréin againn; agus diubh so tha aon aig an Talamh, ceithir aig Iupiter,—seachd aig Saturn agus sea aig Urànus. Tha a’ ghealach againne ’cuairteachadh na talmhainn ann an seachd la fichead, seachd uairean agus tri agus da fhichead mionaid; ach o chaochladh gu caochladh, tha i ’gabhail naoi la fichead, da uair dheug, agus ceithir agus da fhichead mionaid, chum a cuairt a choimhlionadh. Tha i beag an coimeas ris an talamh; oir cha’n ’eil i ach dà mhìle, aon chèud, agus tri fichead de mhìltibh troipe, an uair a tha an talamh dlùth air ochd mìle de mhìltibh troimhe! Tha’n talamh uime sin, còrr agus tri fichead uair ni’s mò na ’ghealach. Tha i ni’s faide o’n talamh air uairibh seach a chélle ach tha i mar a’s trice mu dhà cheud, agus da fhichead mìle de mhìltibh air astar uaithe! Tha i a’ siubhal ’na cearcall mu’n cuairt do’n talamh da cheud, ceithir fichead agus deich de mhiltibh anns an uair! Tha’n talamh a’ cuairteachadh na gréine ann am beagan a thuilleadh air tri cheud, tri fichead, agus coig làithean; tha ’ghealach, uime sin, a’ cuairteachadh na gréine ’san ùine cheudna; ach tha i ’deanamh mòran astair a bhàrr air an talamh, do brìgh gu’m bheil i ’ga chuairteachach gach mios, agus a’ cumail suas ris, a thuilleadh air sin, ’na chuairt mu’n ghréin. Air an aobhar sin, tha e soilleir, gu’m bheil a’ ghealach a’ deanamh cuairte na talmhainn mu thimchioll na gréine ann am bliadhna; ach osbarr tha i an taobh a stigh do’n ùine sin a cuairteachadh na talmhainn ’na cearcall fein tri uairein deug. Tha ’ghealach cosmhuil ris an talanh, ’n a meall cruinn,dorch ìnnte fein, a ta soilleir a mhàin trid ghathannaibh na gréine a bhi ’bualadh oirre. Air an aobhar sin, tha ’n leth sin dhith a ta fa chomhair na greine a ghnàth soilleir, agus an leth eile ann an dorchadas. Cha’n fhaic sinne i aig àm a caochlaidh, do brìgh gu’m bheil i dìreach eadar sinn agus a’ ghrian, agus an taobh dorch dhi ruinn. Ach air di beagan astair a dheanamh ’na slighe chì sinn earrann bheag do’n taobh shoilleir aice, a ta sìor mheudachadh, gus am bi i fa chomhair na gréine, air an taobh eile do’n talamh, an uair a chì sinn an taobh soilleir aice gu lèir, agus an sin, tha i làn, cruinn, agus deàlrach. Air an dòigh cheudna, tha i a’ caitheamh, gus an ruig i, a ris, eadar sinn agus a’ ghrian, an uair nach faicear idir i. Tha i cosmhuil ris na reultaibh a’ tionndadh air a mul fein, agus tha e anabarrach iongatach, gu’m bheil an ùine a ta i ’gabhail chum sin a dheanamh co-ionann ann am faidead ris an ùine a ta i ’toirt a mach, chum cuairt a chur air an talamh. Agus air do’n chùis a bhi mar sin, tha e ’tachairt gur e an aon taobh dhi a ta’n còmhnuidh ruinne, ge b’e àite d’a cuairt anns am bì i. Tha’n taobh so a ghnàth soilleir; oir an uair nach bi a’ ghrian ’ga shoillseachadh, tha’n talamh a’ toirt soluis da, tri uairean deug ni’s deàlraiche na’n solus a ta ’ghealach a’ tilgeadh air an talamh. Tha’n taobh do’n ghealaich, gidheadh, nach ’eil sinne idir a faicinn, soilleir ré ceithir là deug, agus dòrch re ceithir là deug eile. Air do’n ghealaich a bhi co fagus do làimh, an coimeas ris na reultaibh, tha cothrom ni’s fearr aig na reultairibh air a faicinn le’n gloineachaibh. Tha iad, uime sin, a’ deanamh a mach gu’m bheil i cosmhuil ris an talamh, air a còmhdachadh le beanntaibh, gleanntaibh, agus machraichibh! Chaidh cuid de bheanntaibh na gealaich a thomhas, agus tha iad mar a’s trice da mhile air airde; tha iad cruinn, agus corrach, agus anabarrach lionmhor. Cha’n fhacas a bheag de choslas uisge anns a’ ghealaich, agus cha’n ’eil adhar aice no neòil mu timchioll, mar a ta aig an talamh. Feumaidh aimsir na gealaiche a bhi anabarrach iongantach, agus caochlaideach, air di a bhi, ré cheithir là deug air a claoidh leis an reodhadh a’s teinne a dh’ fheudas a bhith. Ma tha creutairean a’ ghabhail tàimh oirre, nì nach ’eil neochomasach, tha e cinnteach gu’m bheil iad air an dealbhadh le nàdur freagarrrch air a son; oir, a réir air beachd-ne, cha b’urrainn do chréutairibh na talmhainn so a bhi beò oirre. Ged tha solus na gealaiche dìblidh agus fann, an coimeas ri solus deàlrach na gréine; gidheadh, tha e féumail agus taitneach, chum dorchadas nan òidhcheannan fada geamhraidh fhògaradh air falbh! Shuidhich an Cruithear a’ ghealach ann an speuraibh néimh, mar “an solus a’s lugha a’ riaghladh na h-òidhche,” agus rinneadh i “air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son laìthean, agus bhliadhnachan,” co math ris a’ ghréin! Air an aobhar sin, tha ach beag, gach uile chinneach a’ tomhas ùine le cuairtibh na gealaiche! Tha cuid de chinneachaibh ann, nach ’eil a’ tomhas na h-aimsir le bliadhnaibh idir, ach a mhàin le gealaichibh;—agus mar so, ged robh daoine ’nam measg ceud bliadhna dh’aois, ìnnsidh iad an aois cha’n ann le bliadhnaibh, ach le àireamh nan “gealaichean,” a bh’ ann o’n là air an d’rugadh iad! Thugadh aithne do na h-Israelich iobairtean-loisgte, agus tabhartais-bidh a thoira suas ann an toiseach am mìosan, agus tha sinn a’ faicinn gu’m beil “gealaichean ura,” “Feillean suidhichte,” agus “Sabaidean,” air an ainmeachadh mar amannaibh a bha naomh do’n Tighearna!—Bhuanaich na h-Iùdhaich ann a bhi séideadh an trompaidean aig àm an gealaichean ùra, gus an do sgapadh iad air feadh an t-saoghail. Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 87] [Vol. 4. No. 11. p. 7] Sean Fhacal. Ag itheadh na cruaiche fo ’crios. Dh’ éirich an sean fhacal so o ’n chleachdadh a bha agus a tha cumanta ’san dùthaich, ’s e sin, a bhith ’toirt sguaban a taobh na cruaiche an uair a thachradh nach biodh ùine ann gus a bristeadh, agus earrann dhith a chur do ’n t-sabhal. Ged a bhiodh a’ chruach na seasamh cha bhiodh tail innte idir, agus an uair a chuirteadh do ’n t-sabhal i cha seasadh i fada. Tha na briathran mar an ceudna a’ dearbhadh dhuinn gur fhad’ o ’n a chaidh am facal a radh. Cha ’n ’eil fhios am bheil a’ bheag an diugh beò do ’n aithne cruach-chriosach a dheanamh. B’ iad na cruachan-criosach na ceud chruachan air am bheil iomradh againn. Tha ceud bliadhna, no corr, o ’n a sguireadh dhe ’n deanamh, agus o thòisicheadh air deanamh nan cruachan-sreathach. Cha ’n fhaicear na cruachan-sreathach fhéin a nis. Tha h-uile neach air sgur dhe ’n deanamh o ’n a dh’ ionnsuich iad na cruachan-tubhiadh—no mar a theirteadh—na cruachan-Gallda, ’dheanamh. Tha ’n gnàth-fhocal so, ma ta, a’ comharrachadh a mach dhuinn ni a tha tuilleadh ’s a’ chòir cumanta, ’s e sin a bhith ’g itheadh agus ag òl an airgid mu ’n coisnear e. Tha iomadh seirbhiseach agus searbhanta ann a tha ’togail an tuarasdail mu ’n coisinn iad e; tha tuathanaich bheaga agus mhòra ann a dh’ ith roimhe so cuid dhe ’n stoc a th ’aca air an fhearann; tha marsantan ann a dh ’ith a’ bhuannachd nach d’ rinn iad fathast: tha iasgairean ann a dh’ ith an t-iasg nach do mharbh iad fhathast; agus faodar a ràdh gu bheil mòran sluagh anns gach àite a tha ’deanamh a’ cheart ni. Tha’n dòigh so, ma ta, a’ cur call anabarrach mòr air daoine. Cha ’n fhaigh neach sam bith air aghaidh anns an t-saoghal fad ’s a bhios e leantuinn air an obair so. IAIN. MAC-TALLA Tha na h-àireamhan a leanas dhe ’n MHAC-TALLA a dhith orm: tha mi ’deanamh leabhar dhiubh, agus tha mi air son na h-àireamhan a bhi agam uile. Vol. I.—Nos. 1 gu 10, 12, 12, 15 gu 22, 25 gu 27, 31, 33 gu 46, 49, 51, 52; Vol. II.—Nos. 2 gu 4, 7, 8, 10, 13, 21, 24, 26 gu 32, 34, 37 (April 7mh,) 44; Vol III.—2, 30 gu 32, 35, 37. Bidh ni toileach 3c. a phàigheadh air son gach àireamh, ma chuireas duine deich àireamh no barrachd d’ am ionnsuidh. E. DOMHNULLACH, 33 St. Paul Street, Islington, London, England. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 88] [Vol. 4. No. 11. p. 8] ORAN A rinneadh an deidh bas Dhomhnuill Mhic-Gilleain, Fear Chornaig an Cola. LE GILLEAESBIG MAC-GILLEAIN. FONN.—Cumha Fear Ile. Gur h-e mis’ th’ air mo leonadh Mu ’n dubh bhron th’ air no chinneadh: Thug am bas bhuainn Fear Chòrnaig, Uasal og ’san robh spionnadh, ’S a bha cinneadail, cairdeil, Agus baigheil ri bochdan.— Tha do bhaintighearnan oga ’Dol air fogradh gun fhortan. Leam is tragh do bhean-laighe, ’S i gun aighear, gun sugradh; Chaill i ’n ceile ’bha taitneach, Dh’ fhag i ’n tasgaidh san uir e; Chaill i sin ’sa cuid bhraithrean, Na fir shar ghasda, chliuteach.— ’S coir bhi striochdte do ’n Ard Righ Bhon ’s e dh’ araich bho thùs iad. Nam bu ni e ’bhiodh ordaicht’ Do mhac og a bhi ’t aite, ’Chumail pradhainn san teaghlach Ann an saod mar a tha e, Is an t-oighre ’bhi buadhail Ann am buadhannan arda, Ged nach faighinnsa feum dheth, Leam a b’ eibhinn a chlaistinn. B’ fhearr gum bitheamaid taingeil Fo gach call, mar bu choir dhuinn; Bhiomaid cinnteach a aite Mar-ri Slanaighear na trocair. Cha doir cumha g’ ar n-ionnsaidh ’N t-aon a dhuineadh fo ’n bhord leinn; Ach gu deireadh an t-saoghail Chithear daoine ri goraich’. An am suidhe nan uaislean ’S tusa bhuatha cha b’ fhiach iad; ’S tu gun cumadh an onair Anns gach coinnimh ’san biodh tu. ’S e do chridh a bha soilleir, A dheagh sgoileir a sgriobhaidh; Is mairg fine bho ’n d’ fhalbh thu, ’Fhir gun dorchadas inntinn. An am dol do’n taigh-chùrtach Ghabhteadh curam dhe t’ fhacal; Cha bu bhòsd ’s cha bu bhreugan ’Chluinnt’ o d’ bheul ach an ceartas. Och is och, mar a tha sinn! Fhuair sinn fàth a bhi ’g acain; Dh’ fhalbh am flur bharr a gharaidh Bho ’n la dh’ fhailtinich t’ asdar. Chaidh thu bhaile Dhuneideann ’Chur an geill dhaibh a cheartais; ’S thanig bàta fo shiuil leat, ’S tu gad ghiulan ad chorp innt’.— ’S iomadh aon a bha cianail ’Call nan diar gu trom frasach; Bu bheag ionghnaidh dhaibh fein sud, B’ fhiach an fheudail a bh’ ac’ e. Ged a theid mi do Chola ’Dh-iarraidh cothroim san eucoir, ’S gann gum fuiling iad m’ fhaicinn Ach mar aiteal na greine. ’S ann a tha mo chul-taice Anns a chaibeal gun eirigh, Far a bheil mo luchd-eolais, Na fir mhòr-chuiseach, threubhach. Gur a h-iomadh duin’ uasal, Fearail, suairce de m’ chinneadh, A tha ’nis air an sgaoileadh, Is nach faodar a thional. ’S cha b’ e olcas an nàdair Chuir na sàir ud gu iomall. Bha iad firinneach, baigheil, ’S bhiodh iad dan anns an iomairt. ’S corrach bàta gun acair, Gun bhuill-beirte, gun chabaill; ’S ionnan sin ’s mar tha sinne ’N deidh ar milleadh le gàbhadh. Bha sinn roimhe so ’n Dubhairt Mar bu shubhach le ’r cairdean; Bha sinn cliuiteach mar fhine Gus ’n do mhilleadh Righ Tearlach. Tha ar cuid aig ar naimhdean, ’S iad gun suim aca dhinne; ’N la a’s fhearr ’bhios an sliobadh, Cha bhi ’n cridh’ dhuinn ach fionnar. Ged bu shuarach dheth Bròlas, Thug e solus da’r cridhe Gun do spionadh e bhuatha Leis an uachdaran dhligheach. A dheagh Ailain nan Drimnean. Is mor iomagain do chairdean Gun do dhealaich thu bhuatha, ’S iad gun uachdaran ard orr’. Criosd gad choimhead ’s gad stiuradh Anns gach cuis sam bi gabhadh: ’S b’ fhearr gum faicinn le m’ shuilean Thu ’bhi ’d Dhiùc Earra-ghaidheal. Nuair a thigeadh tu ’n duthich Gum bu chliuteach do ghnàthan, Bhiodh do phiobair’ ad chuideachd Ri toirt urraim do d’ chairdean. Bhiodh na mnathan ri orain, Is fir oga gan tàladh; ’S bhiodh na bodaich nan sinneadh Air an driom anns gach aite. Saoil am fagainn air dichuimhn’ Teaghleach priseil Loch-Buidhe’? Far an taoghaileadh luchd-tamha, ’S bhiodh gach ait ann an uidhim. Bhiodh fion datht’ ann an ordagh Air a bhord a bhiodh subhach.— ’M fear a chaisgeadh an ruaig bhuainn A bhi bhuainn ar sgeul dubhach. Am fear misneachail, dana, Anns a bhlar bu mhor urram; Bhiodh an ruaig air do namhaid, Is e craiteach bho d’ bhuille, Sar cheann-fine neo-sgathach ’Bu mhath lamh air a ghunna; ’S iomadh aon a bha craiteach Bho nach danig thu Mhuile. ’S bochd mar dh’ fhogradh Sir Eachann As an fhearann bha’n coir dha. Chuir sud sinn’ air an daonnachd, ’S fad ar saoghail bidh bron oirnn’. Do na fir a tha ’n lathair De ’n dream ardanach, mhorail, Guidheam Criosda mar dhideann Bho luchd-mioruin ’s bho dhoruinn. Pradhainn, press of business, throngness. C. H. HARRINGTON & CO Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 89] [Vol. 4. No. 12. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 28, 1895. No. 12. Litir as an Eilean Sgiathanach. FHIR MO CHRIDHE:—Ged is iomadh sgeul taitneach a chuala sinn uat fhein o chionn leith-bhliadhna, cha do chuir a h-aon seach aon de do chàirdean anns an eilean so a bheag de naigheachdan sam bith a’d’ ionnsuidh. Cha b’ ann mar so bu chòir do ’n chùis a bhith idir. Cha ’n ’eil mi fhein a’ teannadh ri gabhail leithsgeulan sam bith dhut. Cha ruig mi leas. Cha dean leithsgeulan feum dhomhsa no dhutsa. Mar sin, bheir mi oidhirp air cunntas a thoirt dhut ann am briathran cho gearr ’s is urrainn domh air cor na dùthchadh. Ged a bha deireadh a’ gheamhraidh agus a’ cheud dà mhìos de’n earrach anabarrach fuar le reothadh ’s le sneachd, thainig sìde gle mhath mu àm na curachd, agus ’na dheigh sin. Cha robh am fodar cho pailt o chionn iomadach bliadhna ’s a bha e air a’ bhliadhna so. Mar dhearbhadh air so foghnaidh dhomh a ràdh gu bheil cruachan a dh’ arbhar na bliadhna an uiridh ri ’m faicinn ann an iomadh iodhlainn air feadh gach cearn de’n Ghàidhealtachd. Tha coltas math air barr na bliadhna so anns gach àite mar an ceudna. Cha’n ’eil a’ bhuain cho tràth am bliadhna ’sa b’àbhaist d’i bhith, oir bha am mios mu dheireadh de’n t-samhradh agus a’ cheud mhios de’n fhoghar car fliuch, agus cha d’thàinig an t-abachadh cho tràth ’sa b’àbhaist dha. Ach ma thig sìde mhath ’na dhéigh so gheibhear am barr cruinn ann an àm math fhathast. Tha h-uile coltas gu’m bi am buntata gu math pailt. Cha d’thàinig a’ bheag de choltas a’ ghaiseidh ann fhathast, agus a’ bhliadhna a dh’fhanas an gaiseadh air falbh gus an tig mios meadhonach an fhoghair gu math a steach, mar a rinn e am bliadhna, is ainneamh leis call mòr a dheanamh. Bha toradh na mara gu math pailt am bliadhna. Rinn na h-iasgairean feum math araon air iasgach nan langan, agus mar an ceudna air iasgach an sgadain, ged nach robh a’ phrìs cho àrd ’s a bha i bliadhnachan eile. Bha prìsean air crodh ’s air caoraich ni b’ àirde na bha iad o chionn aireamh bhliadhnachan. Thug so mòr-chuideachadh agus misneach mhath araon do’n tuath bhig agus do na tuathanaich mhòra. Ach cha’n ’eil prìsean cho àrd aig an àm so ’s a bha iad mu chaingis. Cha d’ fhàs an tuirneip aig na tuathanaich ’s an taobh deas cho math ’s a b’àbhaist d’i, agus mar sin cha’n urrainn daibh uibhir de stoc a bheathachadh. An uair a bhios an geamhrachadh pailt air a’Ghalldachd seasaidh na prìsean gu math gu deireadh na bliadhna. Ach o’n a bha na prìsean gu math fad an t-samhraidh reiceadh an stoc gu fìor bheagan mu’n do thuit iad. Bha gluasad mor am measg an t-sluaigh air feadh na dùthchadh gu léir an uair a bhatar a’ taghadh buill na pàrlamaid. Re nan trì bliadhna a bha na Liberals a’ riaghladh cha d’rinn iad feum mòr sam bith do’n Ghàidhealtachd, ged gheall iad mòran math a dheanamh. Thug so air an t-sluagh an cumantas a bhith ’smaoineachadh gu’m bu cho math dhaibh an riaghladh a chur car ùine ann an lamhan nan Tòiris. Is ann mar so a rinn iad. Ma chumas na Tòiris ri’n gealladh ni iad feum do’n dùthaich. Ach mur cum, cuirear as an dreuchd iad ann an ùine gun bhi fada, agus is math an airidh. Cha’n ’eil e ceart do dhaoine a bhith mealladh an t-sluaigh le bhith ’gealltainn nithean dhaibh nach urrainn daibh a cho-ghealladh. Tha na Tòiris a’ gealltainn Achd a dheanamh leis am faigh na tuathanaich bheaga is mhòra comas, le cuideachadh a’ Chrùin, air an cuid fearainn a cheannach as a’ ghrunnd, air dhòigh ’s gu’m bi a h-uile fear ’na uachdaran air a chuid fearainn fhein. Ma ni iad so, ni iad obair mhath. Tha iad a’ gealltainn mar an ceudna gu’n deanar rathaidean-iaruinn, air chosg a’ Chruin, ann an àiteachan iomallach de’n Ghàidhealtachd, a chum gu’m bi na h-iasgairean comasach air an cuid éisg a chur ùr a dh’ionnsuidh a’ mhargaidh. Tha aire mòran de’n t-sluagh anns na làithean so air a tarruinn a dh’ionnsuidh na h-obrach a tha ’dol air aghart ann an Neu Dhorc. Is e miann gach neach gu’n coisneadh am bàta Breatunnach a’ bhuadh. Ach tha eagal oirnn nach coisinn. Nam b’ann air an aon chumadh a bhiodh an dà bhata air an togail tha sinn cinnteach gur i am bàta Breatunnach a bhuadhaicheadh. Mun tig seachduin o’n diugh bidh fios againn co an té a’s fhearr a sheòlas. Cha bhi mi fada gun sgriobhadh ugad a rithist. Tha’n oidhche a nis a’ fàs fada, agus bidh móran a bharrachd ùine agam gu sgrìobhadh na bh’ agam o’n a thàinig an samhradh. Is mi d’fhìor charaid an là a chì ’s nach fhaic. IAIN. 12, 9, ’95. Bha Co-sheirm Ghàilig aca anns an Oban air an deicheamh latha dhe’n mhios so. Tha co-sheirm mar so aca na h-uile foghar, Bha Piobaireachd agus òrain Ghàilig gu leòr aca, agus mar an ceudna dha no tri dh’òrain anns a Ghàilig Eironnaich us anns a’ chainnt Welshach. Bha i ’na co-sheirm cho math ’sa bh’ aca o chionn fhada. Sean Fhacal. Is fhearr aon tigh air a nighe na dha dheug air an sguabadh. Is fhearr beagan stòrais na moran chàirdean. Is fhearr bàrr mòr, ach fòghnaidh bàrr beag. Is fhearr bean ghlic na crann us fearann. Is ionann aithreachas-criche ’sa bhi cur sil mu Fheill-Màrtainn. Is ioma te ’bhios cearbach aig a’ bhaile, a théid gu riomhach thun na féille. [TD 90] [Vol. 4. No. 12. p. 2] COMHRADH. EADAR EOGHAN AGUS DOMHNULL. DOMHNULL.—Failt Ort, Eòghain. EOGHAN.—Failt ort féin, a Dhomhnuill; air a d’ghart, a dhuine, feuch am faigh thu aite-suidhe. D.—An ann ri cràidhleig a tha thu, ghoistidh? E.—’S ann agus ged is ann cha mhath mo lamh oirre. Ach math no dona is ’fhearr i na bhi ruith nan iasad. D.—Na h-iasadan, fhir mo chridhe! Nach ’eil iad an déigh mo chreachadh. Ma bhios cràidhleig a dhith air duine, tha te aig Domhnull Mor, ma’s e guit, no criathar, fal-feòir, na corran-speal, tor-sgian, no lair-cheibe, gu urad na corr-shugain, ruig Domhnull Mor, an duine coir, lamh na sgoinne, agus gheabh thu t-earligidh. Tha mi toilichte a bhi gad ’fhaicinn féin cho dian an nochd ri té dhuit féin bho’n a dhichuimhnich thu iasad na bliadhna an uiridh a chur dhachaidh. E.—Mata, a ghoistidh, ’s feudar dhomh aideachadh gu’m bheil thu ceart, ach ’se do dhalta fein, Domhnull Beag, a dh’fhàg a mach ’san Lag Mhor i, agus nuair a fhuair mise i cha b’ fhiu i a cur dhachaidh; ach se do bheatha a dh’ionnsaidh na té so nuair bhios i reidh. D.—Tapadh leat, ach ciod i do naigheachd? chuala mi gun tainig Mor dhachaidh, agus cuideachd gun do phòs i; agus thainig mi a dh’aon sgriob a nall ga ’faicinn. E.—Mata, a ghoistidh, chuala tus’ an fhirinn; tha i agad ann an ceann eil’ an taighe gu leathan, laidir. D.—Tha mo cheadsa aice, banag, ach gu de am fear a fhuair i, mur mi mhodhail a cheist? E.—Ud, ud, cha’n eadh, a ghoistidh. Tha i air a deagh phòsadh, ’s’an làn chothrom, ’s gu de is fearr na sin. D.—Tha mi toilichte sin a chluinntinn, ach ciod is ceaird dha? E.—Mata, a ghoistidh, tha ceaird iongantach, ceaird nach ’eil feadh na Gaidhealtachd againne—’s nach cuala mise riamh; tha’r leam gur e cow-feeder mhuc thuirt Mor rium a theirteadh ris. D.—Fheara ’sa dhaoine, ’ne Frangach no Ruiseanach a tha ann? oir tha mi ’m barail nach e Eirionnach a bhios ann oir cha chuala mi a cheaird riamh feeder! E.—Se ba-thigh mhuc tha e gleadhadh. D.—Ud! a Ghoistidh nach robh cho math dhuit ba-thigh each a radh ri ba-tigh mhuc. E.—Mata, Dhomhnuill, cha’n fhios dhomhsa co dhiubh is ba-thigh muice no circe tha’nn, ach seo agad Mòr féin à tighinn bho’m faigh thu bun gach sgeòil. Mor.—Ciamar tha thu, Dhò’ill? D.—Tha mi ann an riaghailt. M.—Ciamar tha bhean ’sa clann? D.—Taing dhuit, a Mhor, tha iad gu lan mhath gun dith ’s gun deireas. M.—’S mi tha happy sin a chluinntinn, bha gaol mor agam orra, cha da leig mi riamh as mo recollection iad. D.—Ciamar bha thu fein bho’n a dh’ fhalbh thu? M.—Bha mise first class; bha mi aig mistress uamhraidh math ’s i extraordinary kind. ’S bha feum agamsa air sin, ceann toiseach a geamhraidh, cha’n ann ach aig New Year Day, fhuair mi droch touch do na broon Katies agus an deigh dol ni b’ fhearr, bha relapse agam bha desperate severe. D.—Tha mi duilich sin a chluintinn; ach an lighiche Galld a bha frithealadh ort, cha chreid mi nach do stad pairt da chuid chunganibh na’d mhuineal. M.—Dear me! cha’n eil mi tuigsinn a Dho’ll. D.—’S mise a dh’fhaodas sin a radh riut-sa le’d extraordinaries, recollections, happy, broon Katies. Ach de an te bh’ann am Broon Katies? E.—Mo mhile beannachd ort féin a Dhòmhnuill; cha do thuig mise an darra leth da cainnt bho’n a thainig i. M.—Ridiculous! Ciamar nach do thuig sibh mi, a phapa? E.—Ciamar a thuiginn thu chaomhag le d’ phrabartaich Bheurla am miosg do Ghailig, ainmean ur air a h-uile rud, Ash pit, air toll na luatha, Hearth Stone, ri clach an teintein, Grate, ris a chagailt, Pass door, ri dorus a chathadh, Parlour ri ceann-eile an taige, na Hattics, ris an fhàradh; gu de nis a their thu féin ris an dòigh ùr so, a Dhòmhnuill. D.—Mata, a ghoistidh, cha’n eil mise a gabhail mor iongantais sam bhith do’n chothlamadh Ghàidhlig tha aig an àl òg. ’Nuair nach ’eil aon sgoil Ghàilig an nis san dùthaich so, tha eadhain na ministeirinn féin, na h-aghaidh, co mor agus nach ’eil i air a treagasg ’s na sgoiltean Sàbaid aca. Tha na h-uaislean fein na h-aghaidh, agus saoilidh mi, gu’m bheil uaislean beaga nam buithean iad féin a toirt an cùl rithe. E.—Tha’n fhirinn agad a rithis, a Dhomhnuill; tha mi faicinn a h-uile car tha nis a’ tighinn air an t-saoghal agus nach measar daoine nan ’uaislean ma labhras iad Gàilig. D.—Nach ’eil e ann sa bhun ’s ann ’sa bhar dhiu, mar tha a ghaoid ’sa bhuntàta. Thainig Mairi bheag agam dhachaidh bhar a céilidh an oidhche roimhe, ’s thuirt a mathair rithe sealltuin an robh an buntata bruich ’s nuair a thaom i e, ghlaodh i ri mathair, tha so literally spoilt.Nach faic thu sin, aois nan dusan bliadhna, nach d’fhàg riamh teintein a h-athar; ach nach fhaod sinne bhi coma; bithidh Gaidhlig ann am fad sa bhios sinne beò. M.—Sin sibh fein, a Dho’ill, bha opinion duine sensible agam riamh oirbh, ’s cha ’n ionnan ’s na hillerates eile tha feadh na duthcha againn, a tha void gun common sense. D.—Tog dad shodal a Mhor, cha’n fhaod mi leigeadh leat, feumaidh mi tiunndadh ort, agus innseadh dhuit, gu bheil thu nad chulaidh bhurd ’s nad chuis nàire do’n dùthaich da’m buin thu, le d’ fhacail mhora Bheurla am measg na Gàilìg, agus gun fhios agad ciod is brigh dhaibh na ’s momha na tha aig bonn mo bhroige. M.—Oh dear me! Dho’ill, tha sibh rather severe orm. D.—Cha’n eil mi severe, ma ’se sin a their u ris. M.—’S fheudar dhomh aideachadh gum bheil me quite out of practice air a Ghàilig. D.—Gabh, a Mhor, a h-uile leisgeul a thogras tu agus cha shaor iad thu bho d’ chionta. ’S e lan aineolas, cion tuire, uabhar ’s mead-mhor gun chur leithe, tha toirt ort bhi cho Gallda. M.—Tha fios agam na’m biodh sibhse a moveadh anns an society sam bheil mise, nach biodh sibh one iota na b’ fhearr. D.—Leigidh mi tàmh dhuit, a Mhoir tha thu n’ deigh m’ fhàgail tinn. M.—Eisdibh rium, a Dho’ill, agus faodaidh sibh mo chreidsinn, ach feumaidh mi an aire thoirt do m’ theanga, bhon tha sibh cho particular mu’r Gailig. Nam bithinnsa gun facal Beurla ’nam cheann, cha robh mi’n diugh posda [TD 91] [Vol. 4. No. 12. p. 3] ri Mr. Michael Cassidy of the Calton Piggeries. D.—Ne so an duine tha agad, Eirionnach gu chùl, agus drobhair mhuc. Carson nach d’ thug thu dhachaidh e? M.—Ne mise a bheireadh don chrusgail thaighe so e. Nan d’ thugadh, cha chluinnin a chuid mu dheiridh dheth—I’ll warrant. E.—(A tilgidh na craoidhlig uaithe)—Air t-athais, a Mhor, ged is tu mo nighean, cha leig mi leat e. Esan an teangaire baoth gum biodh do dhànadas agad a thoirt a steach do m’ fhardaich chaoimh! Cha leig mi an tàmailt dhiom gu siorruidh Eirrionach a bhi dhomh na cliabhain; agus ma ’s e sin meas tha agad air bothan a bhlathais, ris nach do dhlùthaich riamh an t-acras truis do chuid ghiobag agus tarruing leis a Clydesdale Di-màirt. M.—Ni mi sin, ’s dhaoite nach fheirdesibhse sin. D.—Eoghain, tha thu tuille is trom air Mrs. Cassagach, feumaidh mise a leisgeul a ghabhail. E.—Cha leig thu a leas thu féin a chur san dragh a Dho’ill, cha d’ thubhairt mi ni ach rud a thoill i. Nach d’ aichidh i a h-athar ’sa màthair agus a dùthaich. Mo naire oirre ’s air a h-uile gin dhe seorsa, prabagan odhar a mhiallaidh tha san àl so; ma gheibh iad bonaid sgrath orra, ’s gùn sioda cha’n eil a chridhe sealltinn orra. (Chaidh e a mach.) D.—B’fhear leam nach d’thàinig mi riamh do’n tigh so, oir sann ri m’ linn a dh’eirich an aimhreite. Bha Mor cearr ’s bha a h-athair cearr; ach co rachadh eadar rìu? agus gabhaidh mise mach air an dorus cùil ’s mur h-aithris iad féin e cha’n aithris mise e. NA PIOBAIREAN IS NA CEAIRD. Bha righ no triath aig na ceaird ann an Alba uair ris an abradh iad Billy Marshall. Nuair a chaochail e ’sa ’bhliadhna 1792, bha e sia fichead bliadhna dh’ aois. “Is mor a chi an duine a bhios fada beò” agus na’m b’ fhior sin bu mhòr a chunnaic agus a thuilleadh air sin bu mhor a rinn e fad a shaoghail fhada. Ghabhadh e leabhar mor cùnntas a thoirt air na gniomharan a rinneadh leis-fhéin is le cuideachadh na fine mòire ’bha ’ga leantuinn. Nuair a bha Billy ’na dhuine òg ghabh e ’san arm agus beagan an deigh sin chuireadh a’ réiseamaid air falbh gus an Olaind. Bha na h-oifigich ’s na saighdeirean glé eòlach air Billy ’s air a dhòighean saor, fiadhaich, ach bu mhòr an t-ionganntas a chuir e air ceannard na buidhne d’ am buineadh e le bhi foighneachd latha “a bheil naigheachd air bith agaibh do bhur muinntir aig an tigh?” “Carson a tha thu foighneachd?” “O, “arsa Billy,” “nam biodh naigheachd agaibh dh’ innsinn i do bhur càirdean’ nuair a chithinn iad.” “Moran taing dhuit a dhuine!” ars’ Mac Cullach (be sin ainm an ofigich) “ach bithidh e fada gus am faic aon chuid thusa no mise caraid air bith ’an Albainn ma chi sinn iad idir.” “Theagamh, theagamh, ach cha-n eil mi cho cinnteach. Co dhiu air mo shon-sa dheth bithidh mise air falbh an nochd gu Albainn.” “Am bi,” arsa MacCullach, “co bhuaith a fhuair thu cead?” “Cha-n eil cead a dhith orm.” “Nach eil?” ars’ an ceannard, “cuimhuich gu bheil thu nis ad’ shaighdear agus uime sin fo riaghailtean ’s fo smachd nan oifigeach.” “Cha bhi ni ’s faide,” thubhairt Billy, “cha robh am Margadh Mor aig Coille ’n Duin (Kelton) riamh roimhe-so gun mise a bhi ’am broilleach na cuideachd agus fhad ’s a bhios comas nan cas agam ’s ann an sin a bhios mi gach féill bhliadhnail. Innsidh mi do bhur leannan gu bheil sibh slan sùnndach. Beannachd leibh’,” agus thug e an rathad air. Ceart mar a dh’ fhàs e féin na bu shine gach bliadhna chaidh iomradh air a ghniomhara sgaoileadh na b’ fhaide’ mach air feadh na duthcha. Ach latha bha ’n sin thachair a leith-bhreac air. Air do dha phiobaire Gaidhealach athghearr a ghabhail thar a mhonadh bha ’n oidhche tighinn orra ’s iad gun fhasgadh. Sùil dha ’n d’thug fear de na piobairean chunnaic e lorg dhaoine air an fheur. Leanadh iad gu deireadh is ràinig iad creag mhòr. Chuir iad as a chéile na preasan ’s am fraoch a bha ’n sin agus fhuair iad beul uaimh mòire. Smuainich iad gum b’e so ionad dionach sam faodadh iad fuireach gu maduinn. Chaidh iad ’nan dithis gu dàna steach agus an deigh dhaibh solus a lasadh, chunnaic, iad cho mor is cho ard is a bha ’n uamh—coltach ri talla ’an caisteal Righ. Agus gu dearbh cha b’e gach uile caisteal mòr anns am biodh an urad de nithe luachmhor ri fhaotainn, oir b’e taigh-tasgaidh nan ceard anns an robh iad, is bha airgiod is òr, eudach is seudan, àirneis is biadh air an càrnadh suas air làr an t-seòmair so gun guth idir air na bhitheadh anns na seomraichean beaga eile. Is gann a bha iad tuigsinn gu ceart nach robh iad ’nan cadal is nach b’e bruadar so uile ’nuair a chlisg iad le bhi cluinntinn fuaim dhaoine aig beul na h-uaimh. Ciod a bha r’a dhianamh oir mhothaich na ceàird gun deach cuid-eigin a steach do’n uaimh aca, is bha iad a muigh ri mionnan ’s ri mallachd, air inbhe fheuchainn co bha stigh. An robh da phiobair rìamh an staid bu mhiosa? Ach co dhiu cha do chaill iad am misneach. Chuir iad as do’n t-solus, thog iad am pioban agus mar a thug Billy roid a steach is a dhaoine ’na dheigh dh’eirich as an dorchadas fuaim motharach, uamhasach nach cualas riamh a leithid le cluasan dhaoine agus fhreagar mac-talla nan creag le mile guth. Thug na ceàird am buinn dhi ann an tiota is ruith iad leis a bhruthaich. Bu mhiann le gach fear a bhi air thoiseach air a chompanach, oir, “an duine bhios air dheireadh, beiridh a ’bheisd air” agus bha iad làn-chinnteach gu’m biodh an Donas e-féin air” an tòir. Cait an creutair saoghalach a dhianadh a leithid de thoirm fhuaimneach sgreuchail? Bho ’n la sin a mach cha rachadh am fear bu thréine nam measg a steach do’n uaimh so. Ghabh na piobairean fois gu socair an oidhche sin, agus anns a mhaduinn chaidh iad air an aghaidh le cridhean aotram ach le ’n cuid sporanan, us mhaileidean, is pocaidean cho trom is a b’ urrainn a bhi—làn de gach ni luachmhor a b’ fhurasda ri ghiùlan. Chaidh am Morair Gilleasbuig Caimbeul le chuid phiobairean troimh Ghleann Comhain air feasgar an deicheamh latha dhe’n mhios so. Bha mòran bruidhne air a dheanamh mu dheibhinn roimh làimh, agus bha cuid ag radh nach leigeadh Clann Domhnuill leotha dhol air adhart gun mhaille chur orra, ach ’nuair a thainig an latha cha do chuireadh bacail sam bith orra. Ged a bha na Caimbeulaich ’s na Domhnullaich ’nan naimhdean fuilteach d’a chéile anns na laìthean a’ dh’fhalbh b’olc an obair d’an sliochd a bhi cumail suas gamhlais air an sgàth. Is mairg a thréigeadh a leannan buan air son fear fuadain na h-aon oidhche [TD 92] [Vol. 4. No. 12. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 28, 1895. Cha’n eil a nise teagamh sam bith nach eil ceannaircich Chuba a’ dol a dh’fhaighinn an làmh an uachdair air na Spàinntich. Tha iad a sior ghleidheadh agus càch a sior chall, agus ann an ùine gun bhi gle fhada, bidh sùil againn ri chluinntinn gu bheil na Spàinntich an deigh en t-eilean àluinn sin a chall gu buileach. Tha e ’na fhàgail aig an Spàinn a bhi call a cuid fearainn anns gach cearna dhe’n t-saoghal. Bhuineadh a chuid mhor de cheann a deas Amesrica dh’i ceithir fichead bliadhna roimhe so, agus an diugh cha ’n eil òirleach dheth leatha. Tha trioblaid aig an àm so eadar Breatuinn agus Belgium. Tha dùthaich ùr ann an Africa ris an canar Congo Free State, agus tha làmh aig àireamh de rioghachdan mora na Roinn Eorpa ’na riaghladh, ach tha chuid a’s mò dhe ’n ùghdarras air fhagail aig Belgium. Ghlac oifigeach ann an arm nan Belgians, d’an ainm Caiptean Lothaire, ceannaiche Breatunnach, Mr Stokes, agus air son cionta èigin nach eil ro ihoilleir, chroch e e. Tha corr us bliadhna o’n chaidh seo a dheanamh, ach cha d’ fhuaireadh fios air ann am Breatuinn gus o chionn ghoirid, agus a nise tha Riaghladh na dùthcha sin ag iarraidh gum bi an caiptean air fheuchainn air son mort, oir thatar a’ tagradh nach robh Stokes air a dhiteadh, no air a chur gu bàs le cùirt dhligheach, agus ma gheobhar ciontach an caiptean bidh e air a chur gu bàs, agus feumaidh Belgium pàigheadh glé dhaor air son a chuid oibreach. Cha’n fhuiling Breatunn aon d’a h-iochdarain a bhi air an cur gu bàs gu h-eucorach ann an cearna sam bith dhe’n t-saoghal, gun an tòrachd a thoirt a mach. Tha na Frangaich a strith ri Madagasgar a chisneachadh, ach cha’n eil a’ dol leotha ach gu h-olc. Tha iad a nise ’g obair o chionn àireamh mhiosan, tha na saighdearan a bàsachadh ’nan ceudan le tinneasan a th’air a thoirt orra le mi-fhalaineachd na dùthcha, tha dha uiread airgid air a chosg cheana ’sa bha iad an dùil an toiseach a chosgadh an cogadh gu h-iomlan; ach a dh’aindeoin sin, tha ’n t-eilean gun a chisneachadh. Tha iad a nise deanamh a mach gu’n toir e chuid a’s mo de’n gheamhradh ’s de’n earrach dhiubh an dùthaich a chur fo’n ceann-sal. Bha coinneamh mhor aig na h-Eirionnaich ann an Chicago Di-màirt agus Di-ciaduin s’a chaidh. Tha iad air fàs sgith de dh’àmhuiltean am fir-parlamaid féin ann an Tigh nan Cumantach an Lunnuinn, agus tha iad air son pàirtidh ùr a chur air chois, pàirtidh aig am bi ’san amharc Eirinn a’ sgaradh gu h-iomlan bho Chrùn Breatuinn. Tha iad air son Eirinn a bhi na Coimh-flaitheachd coltach ris na Stàitean, air a riaghladh le Riaghladair a thaghadh iad fhèin. ’Si ar barail nach faigh iad sin an da latha seo, agus ged a gheobhadh nach bicdh iad dad na b’ fhearr dheth mar sluagh na tha iad an diugh fo riaghladh Chrùn Bhreatuinn. Ged a chaill na Breatunnaich an réis ann an New York aon uair eile, cha ’n eil iad idir a’ call am misnich. Tha bruidhinn aca ’n dràsda air cuideachd laidir a chur air chois air son bàta ùr a thogail a bhios na astraiche na’s fhearr na, cha’n e mhàin bàtaichean nan Staitean, ach bàtaichean an t-saoghail uile. Tha e air a radh gu bheil Prionnsa Wales air fear dhiubhsan a tha gu bhi ’sa chuideachd sin. Tha teintean mora anns na coilltean air bruaichean Amhuinn St. Lawrence eadar Montreal us Cuibeic. Tha aireamh de thaighean air an losgadh agus iadsan a bha fuireach annta gun ni air fhàgail aca, ach cha do chailleadh beatha fhathast. Tha ’n ceò cho dùmhail air an amhuinn ’s nach urrainn soithichean ach gann falbh oirr’ idir. Is leisg le leisgein dol a laidhe, agus is seachd leisge leis éirigh. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phàirt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 93] [Vol. 4. No. 12. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha ’n t-Urr. Ruairidh Mac Aonghais, sagart Johnstown ann an siorrachd Richmond, a’ fàgail na sgireachd sin ’sa dol a bhi air a shuidheachadh aig a’ Mhéinn Uir (Reserve) air an t-seachdain so. Thaghail Domhnull F. Mac Aoidh á Tairbeart St. Ann’s orinn an la roimhe, ’s e air a thurus gu Maine an deigh dha bhi fad an t-samhraidh ag obair aig Cuideachd a’ Ghuail. Tha deagh theisteannas aige uapa. Bha side glé bhriagha againn air an t-seachdain so, side a thug oirnn a chreidsinn nach robh ’n geamhradh a’ tighinn buileach cho tràth ’sa bha sinn an dùil. Bha teas mor ann Di-luain, agus ged nach robh a chuid eile dhe’n t-seachdain cho teth, bha i anabarrach briagha. Tha ’n t-uisge anabarrach gann air an eilean air an fhoghar so. Thatar ag radh nach cuimhne leis na daoine ’s sine ’san dùthaich foghar fhaicinn riamh a bha cho tioram ris an fhear so. Dh’ innis duine dhuinn an la roimhe gur aithne dha àiteachan a b’àbhaist a bhi cho bog ’s nach b’urrainn duine coiseachd orra, a tha ’n diugh cho cruaidh tioram ’s gu’n rachadh each us cairt thairis orra. Tha na fuarain ’s na h-uillt gle iosal, agus ann an àiteachan beul ri bhi tioram buileach. Bha féill bhliadhnail Eilean a’ Phrionnsa air a fosgladh ann an Charlottetown Di-màirt, agus mhair i tri latha. Tha e air a radh gu’m bi an fhéill a b’ fhearr a bh’ anns an eilean riamh o’n a thòisicheadh air cumail féille. Bha drobh eireachdail ann de dh’ eich ’s de gach seòrsa spréidhe. Bha réisean each gu bhi aca Di-ciaduin ’s Dior-daoin. Bha réis bhicycles aca Di-màirt, anns an d’ rinn am fear bu luaithe còig mile ann an ceithir mionaidean deuga. Tha ’n fhéill bhliadhnail seo a deanamh feum mor do Eilean a Phrionnsa, agus b’fhior thoigh leinn féill dhe’n t-seòrsa cheudna fhaicinn gach bliadhna ann an Ceap Breatunn. ’S iongantach nach eil iad a’ toirt ionnsuidh air té a chumail uair no uair-eigin. Bha ’m fàidh ainmeal, Professor Wiggins ag innse do’n chuid so de’n t-saoghal gu robh stoirm mhor gu bhi ann mu thoiseach na seachdain so, stoirm a chuireadh crith eagail air gach duine chitheadh i, ach tha ’n t-seachdain a nise seachad, agus tha ’n stoirm gun tighinn fhathasd. Bha Wiggins math riamh air deanamh fiosachd mu stoirmeannan a bha gu tighinn; ach ge b’e de bu choireach cha tigeadh gin dhiubh gu crich. B’ e Di-sathairne ’s Di-dòmhnaich s’a chaidh an da latha bu teotha dh’ fhairicheadh ann am Montreal am bliadhna agus bha chuid mhor de mhuinntir a bhaile coma ged tigeadh stoirm Wiggins feuch am faigheadh iad faochadh beag o’n teas. Bho’n sgriobh sinn so thainig stoirm uisge oidhche Dior-daoin a dh’ fhaodadh cliù a chosnadh do Wiggins na ’m biodh i air tighinn na bu tràithe ’san t-seachdain. Sail frasan briagha uisge an oidhche sin agus Di-haoine, frasan a ni feum mor do’n dùthaich. Tha sgaothan de na geòidh fhiadhaich a’ dol gu deas, agus is math an comharradh sin gu bheil an geamhradh a’ tighinn. Tha na geòidh fhiadhaich na’m fiosaichean cho math ’sa thainig fhathast. Cha tig Wiggins suas riu idir. Chaidh mathan a mharbhadh ann am Margaree air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair fear Domhnull Mac Leòid a lorgan air an rathad mhor mu leth-mhile bho ’n àite aige, agus fhuair e caora air a marbhadh faisg air sin. Chuir e ribe ’m falach faisg air an ablach, agus an ath mhaduinn fhuair, e ’m mathan ann air spòig, agus chuir e as da le urchair no dha as a ghunna. B’ fhearr gu’m faighte cur as do gach fear dhe sheòrsa ’san dùthaich. Tha tuathanaich Eilean a’ Phrionnsa an deigh a chuid a’s mò dhe ’n bhuain a chur a stigh. Ged nach robh i cho math ’sa bha ’n samhradh cho gealltannach, cha ’n eil reusan gearain idir. Tha’n curithneachd fad air thoiseach air mar a b’ abhàist dha bhi bliadhnaichean roimhe so; bha cuid a thuathanaich a thug da fhichead buiseal bhar an acaire. Tha ’n coirce ’s am buntàta glé mhath cuideachd, agus ma bhios na prisean math, cha’n eagal do thuathanaich an Eilein air a bhliadhna tha rompa. Rugadh air meirleach ann am Baddeck o chionn ghoirid an deigh dha bhi ris a cheaird o chionn treis a dh’ ùine. Bhatar ag ionndrain nithean á stòr Mhic Aidh ’s Mhic Asguill, ach cha deach àmhrus a leagail air duine gus o chionn ghoirid. Chaidh an tigh aig an fhear so a rannsachadh, agus fhuaireadh moran dhe na bha air chall. Thartar a’ deanamh a mach gu robh roimhe tóiseachadh air stòr a chumail dha fhéin, ach rugadh air tuilleadh us luath air son sin. Thainig e gu Baddeck o chionn beagan bhliadhnaichean á Newfoundland. Cha b’ ann aig Ceap Nòr, tha sinn a’ cluinntinn, a bha ’n t-sabaid ghranda air an d’ thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh, ach ann an àit eile deich no dusan mile air falbh. Fhuaireadh fios anns a bhaile so toiseach na seachdain gu ’n do chaochail ceathrar de na daoine leòinte, agus gu robh am fear a rinn an cron an deigh e fhéin fhalach ann an tigh ’s e air armachadh le gunnaichean, ’sa cur roimhe nach leig e le oifigich an lagha a ghlacadh. Tha cuid a’ deanamh a mach nach urrainnear a ghlacadh far am bheil e gun saighdearan a chur air a thòir, POSAIDHEAN. Aig Braidalbainn, E. P. I., air 11 de September, leis an Urr. C. Caimbeul, Niall Caimbeul, (Station Master) Wiltshire, agus Alice Nic Aoidh, nighean Uilleam ’Ic Aoidh, Braidal bainn. Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean uachdair bhan, deacaidean agus cleòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creie aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 94] [Vol. 4. No. 12. p. 6] Cleachdadh. Bha mi ’n là roimh coiseachd sios aon do shràidean a bhaile bhig ’s am bheil mi ’chomhnuidh, agus ’measg iomadh ni eile air an robh mi gabhail beachd, thug mi fainear duine aosmhor air mullach tigh àrd, agus e ’ceumadh o cheann gu ceann cho socrach ’s cho mi-eagalach ’s ged b’ ann air an làr bhitheadh e siubhal. Cha robh ann ach ni a chunnaic mi iomadh uair ’s cha’n ’eil fhios agam nach robh mi minig uair anns an t-suidheachadh cheudna mi féin. Ach chuir e mi gu smuaineachadh ’s thàinig e stigh orm gur mor an t-eadar-dhealachadh tha eadar am fear tha cleachdaichte ri leithid sud a dh’obair agus am feir nach ’eil mar sin. Chuir an sealladh ud. ma ta, ged nach robh ann dad mi-chumant—chuir e mi gu smuaineachadh ma thimchioll a bhuaidh mhor th’aig a chleachdadh, ’s na nithe iongantach chum math no olc dhionnsuidh am faod sinn tighinn troimh. Smuainich mi air Demosthenes, duine ainmeil ’bha aon uair ’measg nan Gréugach. Thachair e so ann an toiseach a làithean oidhirp a dheanamh air cùis araidh a mhineachadh an làthair cruinneachaidh mor sluaigh. Cha deach leis anns an dol a mach, ach gu h-olc. Bha e glugach—cearbach na chainnt—agus ’s ann rinn an luchd-eisdeachd fanoid air ’s b’éigin da ’n t-aite fhàgail le tamailt. Bha gidheadh spionnadh ann nach do leig le chridhe failneachadh. Chaidh e sios dhionnsuidh na fairge mar tha an Eachdraidh ag innseadh dhuinn, agus ’n uair bhitheadh a mhuir mhor feargach ’s na tuinn a deanauh buaraidh fiadhaich, ghabhadh e aìreamh do chlachan beaga ’s leo sin na bhéul bhitheadh e re iomadh là cleachdadh a ghuth sa bheoil gus an d’ thàinig iad le cheile gu bhi fo làn ùghdaras aig. Thachair da mar sin fadheoidh nach robh fear labhairt cosmhuil ris air aghaidh an t-saoghail. ’S cha ’n ’eil fhios againn an robh duine riamh ann bheireadh barrachd air thaobh a bhuaidh ’s an t-ùghdaras leis ’m bu ghnàth dha bhi lùbadh ’s a ceannsachadh inntinnean na mor-shluaigh ’bhiteadh a cruinneachadh ’nam miltean ’ga éisdeachd. Se ’n cleachdadh ma ta rinn sud. Tionndadh m’ inntinn air falbh o Demosthenes, ’s mi fathast beachd-smuaineachadh air a chleachdadh, thàinig dh’ionnsuidh mo chuimhne ni bha cuir mor-iongantas orm ’n uair bhithinn ga leughadh ann an làithibh m’oige—an ni tha ’m Biobuil ag iomradh ma thimchioll Beniamainich araidh ’bha cii-làmhach ’s bha gidheadh co ealanta, ’s gum bualadh iad clach a crann tabhuil air léud ròineige. ’Se bha ’n so inneal air an ’robh mi fein gle dheigheal ’n uair ’bha mi am bhallach og, ’s ged nach tànaig mi riamh an taobh stigh do dheich troighean do chuspair dh’fhéuchainn ri bhualadh air leam, nam faighinn àireanh dheth na gillean òga leis am b’àbhaist dhomh bhi ri cluiche—air leam ged tha mi ’fàs liath ’s a cheann gu’n gabhainn moran tlachd ann sinn a bhi comhladh a’ féuchainn ar ’n innleachd leis an inneal cheudna. Ach ’s e ’bha mi dol a ràdh gu’m b’iongantach an ealamhachd a nochd clann Bheniamain thaobh an inneil so. Cha ’n e ni sam bith bha anntasan, gidheadh, seach daoine eile gu nàdurrach, rinn iadsan cho comharaichte, ach iad a bhi ris an t-seòrs’ obair so faodaidh mi radh o rugadh iad, ’s tha gu leòir do bhallaich òga bhios a cluinntean nam briathran so dh’fhaodadh leis a chleachdadh ceudna bhi cho ealanta leis a chrann tabhuil no le inneal sam bith eile ’s a bha riamh muinntir Bheniamain. Ciod e gus nach toir an cleachdadh duine? ’S iongantach a bhi faicinn deasach an fhir sgriobhaidh ionnsaichte, sgriobhadh sios faodaidh e bhi meud litir dh’ionnsuidh chairdean ’m feadh bhitheadh am brogach òg a tha tòiseachadh sgoile cur ri cheile, agus sin ann an doigh mhi-shultmhor, nan litirchean a ni suas ainm féin. ’S iongantach mar an ceudua bhi faicinn sgiobaltachd meòirean na mnaoi uasail ’s iad a’ ruith réidh sios ’us suas iuchraichean a Phiano, ’s air leam nach e ni dad na ’s mi-iongantaiche ’s gu cinnteach cha ne ni dad a’s mi-thaitniche bhi faicinn dòigh ordail a phiobaire chòir deanamh a’ chiùil as binne rinn cridhe Gàidheil rramh aighearrach. ’Se mata, innseam dulbh, an cleachdadh tha deanamh na nithe ud gu leir, ’s cha ’n urrainn mi gu’n a channtainn gur tearc agus do-ruigsinn na nithe dh’ionnsuidh nach fhaod duine éiridh, ma chleachdas e e fhéin gu dichiollach m’ an timchioll ’s ma leanas e air an tòir gu misneachail ’s gu foghidinneach, An Fheinn. Cha’n urrain sinn innseadh ciod is brigh do’n ainm, no co uaith a thàinig e, ach tha sinn air léughadh moran mu’n tréubhantais ’s mu’n gniomharan calma ann an cogadh ’s an sith. Bha iad so ann, co fad ’s is urrainn sinne ’thuigsinn, bho chionn ceithir no cuig céug déug de bhliadhnachan, agus tha ainmean daoine tréun dhuibh, ’s an cliu, air an gleidheal ann am bàrdachd Oisein, fear a bha e féin dhe’n Fhéinn, agus a chuir r’a chéile dàin dhe ’m faodadh Homer, Horace, no virgil, bhi prioseil. Tha e air a radh gu’n robh na dàin so glé mheasail aig an duine thréun sin, “Napoleon,” ’s cha b’iongantach sin, oir duine aig an robh spiorad gaisgeil mar ’bha aige-san, cha b’ urrainn da gu’n a chridhe ’bhi air a bhlàthachadh le òrain anns an d’ fhuar e iomradh air gnothuichean ’s air feartan miorbhuileach ’rinn cliùiteach daoine cosmhuil ri Oscar, Fionn, Cuchullin agus Goll. Bha cuid dhe ’n Fhéinn aig an robh ainmean anns am faod sinn brigh fhaicinn, ’s tha e ro choslach gu’n d’ thugadh dhoibh iad, a chionn iad bhi ’comharachadh mach ni eiginn a bha fior mu thimchioll pearsa nan daoine. Tuigidh sinn uile o’n ainm, ciod an seorsa gaisgich bha ann an “Caol,” “Dearg,” “Garbh,” agus Dearmaid.” Tha iomradh air Caol a bhi anabarrach luath-chasach ’s gu dearbh se ’n duine caol bu chòir a bhi mar sin, ’s cha ’n e ’m fear air am bitheadh an ro-mhoran feòil. Chuala sinn e air a radh, ged nach urrainn sinn a dheanamh dearbhta, gu’n robh e cho aotram ’na chéum ’s gu’m beireadh e air fiadh a bhitheadh a’ ruith air an fhraoch. Bhitheadh cogadh aca so ro thric, air an aon làimh, ris na h-Eirionaich agus air an làimh eile ri muinntir na Lochlainn (Scandinavia). ’S tha Oisean a’ cur air chuimhne ’na chuid dàin, tréun bheartan nan daoine foghainteach a thuit no thug buaidh air na caochladh blàirean air ’n do choinnich ’s air ’n do chog iad. Bha Alabinn ’s an àm ud làn do fhiadh bheathaichean ’s bha e, measg nithe eile, na ghnothuch aig an Fhéinn ’bhi ri sealgaireachd. Tha iomradh air aon uair anns an deach tri mile dhuibh mach a mharbhadh nam fiadh; ’s ma tha’n sgèul fior, cha’n iongantach ged theirte gu’m b’i sud an t-sealg bu mhò ’chunnacas riamh. Bha aca tri mile cù ’s mharbh gach cù dà fhiadh; agus “Bran” cù og le casan buidhe—ged nach rohh ann ach cuilean—mharbh e uiread ri càch. Ach ged bha mort gu leòir ac le sud fhéin, mu’n d’ ràinig iad dhachaidh, choinnich ’s mharbh iad ceud torc mar an ceudna! [TD 95] [Vol. 4. No. 12. p. 7] Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95. MAC-TALLA. Tha na h-àireamhan a leanas dhe ’n MHAC-TALLA a dhith orm: tha mi ’deanamh leabhar dhiubh, agus tha mi air son na h-àireamhan a bhi agam uile. Vol. I.—Nos. 1 gu 10, 12, 12, 15 gu 22, 25 gu 27, 31, 33 gu 46, 49, 51, 52; Vol. II.—Nos. 2 gu 4, 7, 8, 10, 13, 21, 24, 26 gu 32, 34, 37 (April 7mh,) 44; Vol III.—2, 30 gu 32, 35, 37. Bidh ni toileach 3c. a phàigheadh air son gach àireamh, ma chuireas duine deich àireamh no barrachd d’ am ionnsuidh. E. DOMHNULLACH, 33 St. Paul Street, Islington, London, England Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 96] [Vol. 4. No. 12. p. 8] ORAN GAOIL. LE GILLEASBIG MAC-PHAIL. ’S bochd an creachal ’th’ air m’ inntinn Is cha ’n urrainn mi ’dhìobradh, Ma tha ’n sgeula cho fior ’s tha iad ’gràitinn ’S bochd an creachal, &c. Gu ’n do thionndaidh thu ’m fuath rium, ’N déigh do ghaol ’bhi cho buan domh, ’S gu ’n do thagh thu fear fuadainn am àite. Gur h-e mheudaich mo ghaol ort, Do ghruaidh dhearg ’bhi mar chaoran, Is do ghnùis bhi ciùin aobhach, glan, nàrach. Thu bhi sìobhalta caoimhneil, Banail, baintighearnal, aoibheil, Suairce, ceanalt’, gun fhoill ann ad nàdar. Do chùl bòidheach, mìn, liomharr Tha ’na chamagan snìomhain; Tha gach mais’ ort, a ribhinn na h-àilleachd. Gur h-i ’n naigheacd a fhuair mi D hùisg an anshocair bhuan dhomh; Dh’ fhàg i aiceadach truagh mi gun slàinte. Ge b’ e fear ni do bhuannachd, Gur leis déideag na h-uaisle,— Guidheam piseach is suaimhneas ri d’là dhuit. ORAN Do Chailain Mac-Niomhain, Fear Ghrianail an Tirithe. LE GILLEASBIG MAC-PHAIL. Thoir mo shoraidh gu Fear-Ghrianail, Fear flathail, foghainteach, fialaidh, Iochdmhor, caoimhneil, dleas’nach, diadhaidh. Ceanalta, ciatach, ro-spéiseil. Duin’ uasal, urramach, cliùiteach, Measail, cosgail, le deadh-ghiùlan, Faighid’neach, aighearach, sunndach;— Sonas leat ’s gach cùis mu ’n téid thu. ’N uair a shuidheadh tu ’s taigh-thàirne, Cha ’n e ’m botal bochd a b’ àill leat, Ach am buideal ’bhi ga thràghadh Gus an cailleadh pairt an léirsinn. Bu bheag an t-ioghnadh leam fhin sud; B’ ùr a’ choill ’s an d’rinn thu cinntinn, Cha ’n fhaiceadhmaid innte crìonach:— Measan grinn air bhàrr gach géige. Gu ’n robh do chàirdean, a Chailein, Urramach ’s gach taobh r’ an leanachd, O Dhun-da-Ràmh ’s Loch nan eala, ’S o thùr Mhic Cailean nan ceudan. ’S math leam mar-a rinn thu chùis so, An sgriob air ’n do leag thu do chùrsa, Bhuannaich thu ’n déideag a’s cliùitiche; ’S gorm an t-sùil tha ’n gnùis na féile. Beul a’s grinne, deud a’s bòidhche, Gruaidh a’s deirge na na ròsan; ’S gile ’cneas na ’n sneachd air mòintich; ’S taitneach anns gach dòigh a beusan. Pearsa thlachdmhor ghasda chuimir An deise shioda air a deadh-chumadh; Cruinneachd nam baintighearnan uile, ’S tu gràine mullaich a cheutaidh. MOLADH DO’N FHREICEADAN DUBH. LE MR. ROB MAC-GRIOGAIR. Faigheadh cliu o gach rann-fhear, Gu ceolmhor ’s gu binn, An Dubh-Fhreiceadan Gaidh’lach A dh’ araich na glinn;— Cuimir, fuasgailteach, finealta, Slainteil ’sa chom; Fearail, ceannsgalach, crudalach Treun, agus trom. ’S gun robh buaidh leis na seoid Ghuineach, gharg, agus bheo, ’Chaidh do bhuillsgein nam Frangach Mar ghaoith ’dol sa cheo; Is nach d’fheuch fhathasd cul Do neach riamh nach robh leo; Oir cha striochd sliochd nan garbh-chrioch Is annta an deo. ’S math thig breacan-an fheilidh Gu leir do na suinn; Osain ghearr air na calbannaibh Domhail, geal, cruinn; Agus iteagan dorch Air slios gorm-uidhim cheann; Sud an t-eideadh sa bhlar A chur naimhdean nan deann. ’S gun robh buaidh &c. ’S ceart a labhras iad canain Na h-Alba o chian, Mar a bha i aig Fionn Is aig Oisein gu dian. Cha do ghluais chum na tuasaid, ’S chaoidh iad cha ghlais, Gun am bolg-fheadan mheur-thollach Fhuaimneach nan cluais. ’S gun robh buaidh &c. Cha tearc gabhadh is ait As an danig le buaidh, Gaisgich chalma na comhraig ’S nan dluth-bhuillean cruaidh, Roimh gach diomhanas, sogh, Aidhear, ’s aoibhneas a thagh A bhi dionadh an saorsa An duthcha ’s an lagh’. ’S gun robh buaidh &c. ’S iomadh deuchainn a fhuair Na fir ardanach, bhras’, Bhon nach geilleadh dhiu lamh ’S bho nach tionndadh dhiu cas ’S bhon nach feudadh gun caochladh An dualchas no ’n cleachd, Leis an d’ fhagadh gun samhladh An sinnsir ’sa ghleachd. ’S gun robh buaidh &c. Mar a bhlath-mhaduinn shamhraidh Iad ciuin ann an sith; Ach mar gheamhradh nam beann aca Searbh ann an strith;— Sgaiteach, gruamach, a luaithreadh Nan naimhdean le feirg, Gan cas-ruagadh ’s gan sguabadh A araichibh dearg. ’S sun robh buaidh &c. Is leis a mhéirleach mhath na cheileas e, ach cha leis na ghoideas e. Is leis an fhitheach a’s moiche dh’ éireas sùil a bheothaich anns an fheith. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 97] [Vol. 4. No. 13. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 5, 1895. No. 13. Mo Chuairt Shamhraidh. Cha ’n eil teagamh nach biodh Port Hood an diugh ’na bhaile mor, mur biodh nach eil acarsaid a’s fhiach ann. ’Se ’n acarsaid as fhearr a th’ air an taobh a tuath dhe’n eilean, ach faodar a radh nach eil am fearr ann. ’Nuair a dh’ éireas stoirm air a mhuir, ’se an aon àite fasgaidh a’s fiach a gheobh na soithichean air a chladach uile, agus ’nuair a thig i gu bhi gle gharbh, ’s fheudar dhaibh Eilean an Smithich a thoirt orra. Tha ’n t-eilean sin a mach ’sa stigh mu mhile bho ’n chladach, agus tha mu choig theaghlaich fhichead a fuireach air. Tha e gu math àrd os ceann an uisge, agus ’nuair a bhios a ghaoth a séideadh o’n àirde tuath, théid na soithichean air an taobh a deas dhe ’n eilean; ’nuair a bhios i o’n deas theid iad a tuath air, agus ma bhios i o’n ear no o’n iar, theid iad an iar no an ear air an eilean, Tha aca mar sin ri bhi deanamh falach-fead air a ghaoith mar a’s fhearr is urrainn daibh gus am bi an stoirm seachad. Cha robh Port Hood gun acarsaid an toiseach idir. ’Nuair thainig daoine dh’ fhuireach ann bha an t-eilean air a cheangal ri tir le banca gainmhich, agus bha sin a’ cumail a mach na fairge, agus a deanamh fasgadh mor do’n acarraid o’n ghaoith a tuath. Tha daoine beò an diugh a chunnaic sin mar sin, agus a choisich air talamh tioram dh’ ionnsuidh an eilean, agus a chunnaic an deigh sin a bhearna rinn an t-uisg’ ann cho beag ’s gu’m faodte lionadh le lòd no dha cartach de chloich. Ach, nach beag gliocais a bhuilicheadh air mac an duine! Fhad ’sa bha ’m banca gainmhich ud ann, bha aig na h-iasgairean ri dhol a mach air taobh deas an eilean, agus an sin tionndadh gu tuath far an robh na h-àiteachan iasgaich a b’ fhearr. Bha aca mar sin ri astar àireamh mhiltean a dheanamh a bharrachd air na bhiodh aca ri dheanamh mur biodh am banc’ ud ann, agus bha iad a caoidh gu mor e bhi ’san rathad orra. Ach bliadhna dhe ne bliadhnaichean chaidh soitheach an àm stoirme a chur air tir air a bhanca, agus bhrist i air; fhuair a mhuir ruith troimhe, agus a lion beagan us beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan, shluig i suas e gus am bheil an diugh uisge domhain far an robh e, anns am faod na soithichean a’s motha seòladh gu sàbhailte. Tha am baile mar sin air fhàgail gun fhasgadh o stoirm, agus tha sin ga chumail o fhàs. Tha anacothrom eile aig muinntir a bhaile, se sin cion uisge; tha aca ri ’n cuid uisge tharuinn astar mor; cha ’n eil fuaran no tobar anns a bhail’ idir. MABOU. Air ar tilleadh dhachaidh ghabh sinn rathad eile, rathad a thug sinn faisg air Drochaid Mhabou. Gheobh air sealladh briagha air Mabou air fad bhar bruthaich a tha ri tearnadh mu’n ruigear e, ach ach cha ’n fheuch mi ri innse mu dheobhain, ach gu ’n abair mi gur a sealladh briagha th’ann ri amharc air, an amhuinn ’na lùban cama a ruith sios gu Beul na h-Acarsaid, agus lochan mora uisge an sid ’san so ri ’taobh, cuid dhiubh, bha mo charaid ag innse dhomh, cho domhain ’s gu ’n saoileadh duine nach robh grùnnd aca idir; Ceap Mabou m’ar coinneamh ag éiridh suas cho árd ’s cho gruamach, s’e mar gu’m b’eadh a sealltuinn-sios air an talamh iosal aig nach eil an cothrom a th’aige-san air an saoghal mor a tha mu’n cuairt dhaibh fhaicinn. Tha beinn a leantuinn bho’n Cheap sin a h-uile ceum gus an ruigear Beinn-an-t-Salainn aig Baighe Hogamah agus tha i air a cheann so a’ cumail na gaoithe tuath o Mhabou ’s a’ deanamh àite blàth, seasgair dheth; ’sann am Mabou a gheobhair na tuathanaich cho beairteach ’sa tha ’san duthaich. Tha baile beag aig Drochaid Mhabou, grunnan laghach de thaighean ’s de stòraichean air an cruinneachadh cho faisg air an drochaid ’s is urrainn daibh a dhol. Ged tha ’n amhuinn mor agus domhainn gu leòr ann an àiteachan, tha i gle thana ann an àiteachan eile, agus ’se soitheach gle bheag a gheobh a stigh dh’ ionnsuidh na drochaid. Tha mi ’n dùil gu bheil bàta smùide a’ tighinn a stigh uair no dha ’san t-seachdain fad an t-samhraidh. Cha robh ùine againn air a dhol dh’ ionnsuidh na drochaid ach thaghail sinn aig an tigh-chaothaich a tha mu leth-mhile taobh Phort Hood dhith. Bha ’n tigh so air a chur suas le siarrachd Inbhirnis o chionn ceithir no còig a bhliadhnaichean. Bha aca roimhe sin ris na daoine rachadh as an rian, no bha as an rian gu nàdarra a chur gu Halifax, agus bha e glé chosgail dhaibh an cumail an sin. Tha nise chuid mhor dhiubh aca anns an tigh so, agus tha e tighinn moran na’s saoire dhaibh, agus cha ’n eil teagamh nach eil e na’s fhearr dha na daoine bochda iad fhéin. Thatar ’gan gabhail a stigh á siorrachdan Victoria us Richmond cuideachd. Fhuair sinn gabhail ruinn gu caoimhneil, agus thug Mr. Domhnullach, am fear-gleidhidh sinn troimh ’n tigh air fad. Tha ’n tigh a réir mo bharail-sa gle chomhurtail, agus air chumail ann an deagh òrdugh; tha muinntir Inbhirnis ri ’m moladh airson a bhi toirt aire cho math dhaibh san do nach d’thug am Freasdal comas air an aire thoirt dhaibh féin. An deigh dhuinn a bhi tacan a sealltuinn mu’n cuairt, thug sinn ar n-aghaidh air an tigh. Rinn sinn céilidh bheag aig an Taillear Pheutan, agus as a sin chum sinn direach dhachaidh, a’ ruigheachd mu dhorcha na h-oidhche. Cha robh mi aig an tigh an deigh sin ach dha no tri lathaichean, ’s cha d’ rinn mi siubhal sam bith ach air feadh nan coimhearsnach, ’s cha bhiodh e gu mor fheum a bhi ’g innse mu dheobhain sin do dhaoine th’air taobh eile ’n t-saoghail Mu aon uair deug Di-ciaduin chuireadh an acuinn air an làir ghlas, beothach gasda, toilichte, agus an deigh dhomh beannachd fhàgail ac’ uile, dh’ fhalbh mi fhéin ’s Domhnall Bàn mo bhràthair. Rainig sinn Orangedale gun dad a dh’ éiridh dhuinn ach beagan fliuchaidh fhaighinn; dh’ fhàg esan mi an sin, agus thug an t-each-iaruinn leis mi ’gam chur air mo chasan ann an Sidni mu leth-uair an deigh naodh an oidhche sin fhéin. Bha mo Chuairt Shamhraidh seachad. [TD 98] [Vol. 4. No. 13. p. 2] COMHRADH EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH. CUAIRTEAR,—Gu-m meal thu do bhiorraid, ’Eachainn! EACHANN.—’Ni ’n ad, le’r cead? an sgùlag gun sgoinn, ’s mi tha seachd sgìth dh’i—an t-aon chòmhdach-cinn a’s miosa chaidh riamh air duine, cha-n urrainn mi mo cheann a leagail air leabaidh no air uirigh, air tom no réidhlean leatha. Cha b’ ionnan ’s a’ bhoineid ghorm—cho blàth, sheasgair, cheanalta mu m’ cheann ’s ged bu churrachd-oidhcha ’bh’ innte; dh’ fhaodadh duine a pasgadh fodha no r’a thaobh, seach a bhi ’g altrum na biorraid so mar naoidhean air glùn dnine anns gach àite ’n suidh e. Tubaist oirre! nach fhaic sibh an comharadh a dh’ fhàg i air mo bhathais, mar gu-m biodh mo cheann air a chearcall uchdarach a thilgeadh; ach nach e so an latha gaillionnach, gailbheach? Ubh, ubh! ’s e ’n cur ’s an cathadh e—’s fhad o’n a chunnaic mi a leithid air là Fhéill-Brìde. CUAIR.—Tha sin nàdurra, ’Eachainn, an sneachda geal ’an àm dùdlachd a’gheamhraidh. EACH.—Tha ’n geamhradh seachad; ach sneachda geal! ’eudail ’s a ghràidh, cha b’ ann ’s a’ bhaile-mhòr a chìte e—ach an sneachd’ odhar, lachdunn; agus cha-n aithne dhomh ni a’s gràinde na sneachda salach. Cha b’ ionann ’s mo shneachda glan, cho àillidh gheal ri ite na faoilinn, a’ boillsgeadh ’s a’ dèarrsadh ri gathaibh na gréine, mar gu-m biodh cur ’us cathadh ann de na daoimeanan, no de’n chriostal a bu loinnearaiche, ’s a bu cheutaiche. CUAIR.—Ro mhaith, ’Eachainn! Cha b’ urrainn Donnachadh Bàn nan òran labhairt na b’ fhéarr—ach ge dona sneachda ’s a’ bhaile mhòr is seachd uairean na’s mios’ e ’s a’ Ghàidhealtachd. Tha Ghàidhealtachd maith na’s leòir fhad ’s a dh’ fhuireas a’ Chuthag innte; ach an latha dh’ fhàgas ise i ’s e ’m baile-mòr a’s fhéarr. EACH.—A’ Chuthag! An òinseach bhochd; gu dearbh ma’s ann uaipe-se tha sibh a’ dol a tharruing ’ur gliocas ’s mithich an Cuairtear a chur ’an làimh eile. A’ Chuthag, an trusdar! nach do shuidh riamh leth-uair an uaireadair air an aon tom. CUAIR.—Ma ta, ’Eachainn, ’s coma leam fhéin a’ Ghaidhealtachd ’an àm a’ gheamhraidh; ’s fuar, mi-thaitneach i ’n àm gaillinn shneachda mar tha ann an diugh fhéin—air am folach o’n t-saoghal mhòr; air an tachdadh le toit—gun sùgradh, gun mheadhail—a’ bhean, mo thruaighe! a’ snìomh air a’ chuibhil le crònan brònach—an duine a’ miananaich, ’s a’ casadaich, ’s a’ tachas a’ chinn—na pàisdean a’ trusadh bhioran—an t-uircean a’ sgreadail—an gamhainn caisionn a’ geumnaich aig ceann an tighe—na leanaban, an cù, ’s an cat a’ strì cò a’s dlùithe gheibh do’n ghealbhan, ’s b’ e sin an droch theine—a’ phoit bhuntàta crochta thairis air leth an latha, gun uiread agus balg-séididh, ach an gille bàn agus Seònaid ’g a shéideadh, agus pluc gach aon diubh mar phluic piobaire. Coma leam e! EACH.—Am bheil sibh réidh? Air m’ fhocal is sibh a leig ruith do ’r teangaidh; cha’n ìoghnadh leam ach sibhse—ach éisdibh rium, cha-n fhaca mi riamh ann am baile-mòr, ’s cha-n fhaic, àm cho subhach, shuilbhearra, chridheil, ’s a chunnaic mi ’s a’ Ghàidhealtachd ’an àm gaillinn agus sneachda. Mo chreach! is mise ’chunnaic sin—tha arbrachd fearas-chuideachd, ’us sùgraidh, ’us eòlais, ’us caoimhneis a’ dol air aghaidh ’s a Ghàidhealtachd ’an àm a’ gheamhraidh na ’an àm a’ chéitein fhéin. CUAIR.—Fhalbh, fhalbh? ’Eachainn, tog dheth. EACH.—Cha tog mi dheth—’s mi nach tog. Am na gaillinn! sinn agaibh am a chridhealais—hùg air na sùisdean! na sgalagan a’ cur dhiubh—na cailean a’ crathadh an fhodar ’s a’ deanamh nam boitean—na buachaillean le sìoman connlaich mar chrios m’ an timchioll, cuaille ’mòr bata ’n an làimh, eallach de sguaban beaga, tioram air an druim, an crodh seasg a’ geumnaich ’n an déigh ’s iad ’g an saodachadh gu fasgadh, na h-eich a’ greasad dhachaidh, na mucan a’ sgriachail le sop ’n an craos a ruith do ’n chrò, na h-eòin bheaga, bhuidhe, bhòidheach, sgaoth air muin sgaoithe ’g itealaich mu na dorsan, ’s na balachain le ridil ’s le gaoisnean ag iarraidh an rìbeadh. ’S ann an sin a tha ’m fire, faire! ’h-uile aon ’n a chabhaig ’s am feasgar a’ tighinn. Ach ciod so a thachair? Na balachain ’n an ruith ’s iad a sgàineadh le gàireachdaich—Alastair mòr an déigh dol fodha ann an cuithe shneachda, ’s iad ’g a shlaodadh as, agus gach madadh ’s a’ bhaile ’s an tathunnaich timchioll air. Ach cò eile ’chì sinn a’ tighinn le ’abhagan beaga ’n a dhéigh, a’ feadaireachd ’s a’ gearradh leum—Ailein nan òran! Faic mar tha ’n òigridh ’g a fhàilteachadh—cò ’dhiùltadh dha cuid na h-oidhche?—’S an uair a thigeadh an t-anmoch b’ iad sin a’ chòisridh chridheil, shunndach! Cha b’ e ’n crùban bochd mar a th’ agaibh ’an so ’am mullach tighe—Eirionnaich ’s an dara ceann, ’s fiabhrus ’s a’ cheann eile. Agus b’ e sin an gealbhan cridheil—na caorain chruadha, thioram o chùil na mòine—na maidean caoin’ a’ spreadhadh gu cridheil—a’ ghreideal air an t-slabhraidh—na breacagan eòrna ’g am fuine le farum sùrdail—crùisgein ’an sud ’s ’an so—am buachaille mòr a’ cur chearcall air a’ chuaich bhleodhain—an sgalag a’ deanamh sgùlaig—am buachaille beag a’ deanamh camain—na cuibhlean a’ falbh le srann fhonnmhor—Ailein nan òran a’ cur dheth—a’ phoit chabhrach a plubartaich air an teine. Na cluinneam sibh a’ ruith sìos na Gàidhealtachd. A righ! cha b’ ionann ’s am baile-mòr, a tha maith na’s leòir fhad ’s a sheas an t-slàinte agus comas cosnaidh; ach an latha dh’fhalbhas sin, tha ’n t-uisge air a thoirt o’n mhuileann, ’s cha bhi bleith no rath. O! gleadhraich a’ bhaile-mhòir so, agus toit a’ bhaile-mhòir so, agus a’ chabhag—a h-uile aon ’n a ruith ’s ’n a dheann-ruith, mar gu-m biodh iad uile air tòir bean-ghlùine! Ach innsibh dhomh ciod a tha ’dol air aghart a thaobh imrich do dh’ America. CUAIR.—Tha anabarr dhaoine ’dol thairis do Chanada, ’s do chéarnan eile ann an America mu Thuath, air am bonn fhéin; ’s cha-n eagal doibh ma ghleidheas iad an slàinte. Tha iadsan a chaidh thairis a’ deanamh gu gasda; ach cha-n ’eil an naidheachd á Australia cho maith ’s a bu mhiann leam. EACH.—’S mi tha ’g a chreidsinn. Cha do theò mo chridhe riamh ris an àite sin fhein. Bha tuilleadh ’s a’ chòir air a ràdh as a leth. Cha b’ urrainn dhoibh-san a bha ’dol ann soirbheachadh—a h-uile fear nach deanadh gu maith aig an tigh—gach sleomair air nach robh rath ’n a dhùthaich fhéin, a b’ urrainn fead a dheanamh. Cò ach esan! Ar leis gu-n robh Australia air a chruthachadh air a shon san. Feadhainn nach do chuir boinne falluis diubh riamh ’n an dùthaich fhéin, mur d’ rinn iad e a’ [TD 99] [Vol. 4. No. 13. p. 3] dannsadh ’s a camanachd—spagluinnich amaideach nach crathadh ultach feòir ris a’ ghréin gun làimhnean leathraich orra. Ach coma cò dhiubh, tha iad ag ràdh riumsa gu-n d’ thàinig an spagluinneachd so gu làr—gu-m faicear leth-dusan de na fleasgaich sin ’n an suidhe taobh an tuim, le aon spàin eatorra—a’ cadal ’s a’ phreas, gun dad ach craicionn coin thairis orra—’s a’ falbh cas-ruisgte air feadh nam monaidhean mòra. Cha b’ urrainn na b’ fhèarr tachairt. Australia! tìr an àigh, anns am beireadh, ma’s fìor, caora leth-dusan uan ’s a’ bhliadhna, agus anns an tilgeadh i a rùsg ’an ceann gach ràithe. Cha-n ’eil fhios agam nach cuala mi gu-m biodh uain aig na muilt fhèin ann! Ciod an naidheachd a tha as? CUAIR.—Tha gu-n do bhrist luchd an fhortain mhòir—gu-m bheil na caoraich a chost a dhà ’s a trì ’phuinnd Shasunnach ’n uair chaidh an ceannach, a nis air chrùn! Ach thig e uaith so fhathast. EACH.—Air m’ fhocal, ’s e so an t-àm do luchd an airgid dol a nunn, ’n uair ’tha ’n spréidh cho saor. Ach na-n leigeadh daoine an spagluinn dhiubh aig an tigh, agus an làmh a chur ris gach ni a thig ’s an rathad, mar is éigin doibh a dheanamh an sud, cha b’ eagal nach fhaigheadh iad air an aghart ’s an dùthaich so fhéin, gun dol thairis; oir is fhada o na chuala mi gu-m bheil “adhaircean fada air crodh caillte;” agus mar an ceudna, “am fear a bhios gòrach ’s a’ bhaile bhos, gu-m bi e gòrach ’s a’ bhaile ud thall.” CUAIR.—’Eachainn, am faca tu an simileir mòr a tha shuas bràigh’ a’ bhaile, a tha sè ceud troidh na’s àirde na amar na h-aibhne, agus còig ceud gu leth o’n ghrunnd? EACH.—’S mi ’chunnaic, ’s b’e sin an simileir mór da rìreadh. Tha e cho àrd ri tigh anns am biodh trì fichead lobhta, no, mar a their iad ’s a’ Bheurla story. Cha chreid iad mi ann an Tirithe. Cha-n ’eil ach dà chlàrach, no story, ann an tigh a’ Bhàillidh, agus a dhà gu leth ann an tigh a’ mhinisteir; agus a’ bhéist shimileir so trì fichead story, agus deich troidhean air àird’ anns gach aon diubh! CUAIR.—An deach’ thu suas gu ’mhullach? EACH.—’N e mise! Cha deachaidh ’s cha téid; ach chunnaic mi ’ur càirdean Eòghan Og agus Rob Ruadh a’ dol suas leis a’ chlachair mhòr, Mac-an-t-saoir, ann an creathaill iaruinn, mar gu-m biodh iad gu bhi air an crochadh. ’N uair a thill na gillean, cò ach iadsan! a chearta cho bòsdail, moiteil, ’s ged a bhiodh iad air tilleadh o’n dinneir a ghabhail le bodach na gealaich! “Saoil thu, ’Eachainn,” ars’ iadsan, “nach d’òl sinne gloine uisge-bheatha sè ceud troidh os ceann an t-ssoghail so!” “’S ann agaibh,” ars mise “tha ’chulaidh-bhòsd. Gun teagamh sgrìobhar so air ur lic ’an deigh ’ur bais, mar chuimhneachan air ’ur gaisgealachd?” Na bumalairean! bha mise air mullach Beinn-Nibheis, ceithir mile troidh air airde. Cruach an aigh! ’s cha b’ e simileir mor an t-salachair, a bhios ’an latha no dha a’ sgeith ’s a brùchdadh a mach sùith ’us gràinealachd a thachdadh Criosduidhean? Ach cha do chuir e iongantas air bith orm na firionnaich a dhol suas; ach ladies! le ’n cinn ghogaideach—iadsan a’ dìreadh ’s a’ chreathaill iaruinn a dh’amharc an t-saoghail! ’S mi nach pòsadh a h-aon diubh. Mo nàire! bu chòir do mhnathan a bhi banail, malda. Chunnaic mi Màiri mhor nighean Eachainn a’ streap ’suas gu bàrr croinn ann an Sgairinnis aon uair, ’s cha do bhlàthaich mo chridhe riamh tuilleadh rithe. Ach ’s éigin domh falbh. Mòran taing dhuibh air son ’ur deadh sheanachais. Slàn leibh! Comhairle. Ma’s math leat srian a chur ri d’ anmiannan, agus an spionadh às am bun, thoir sùil an drasta ’s a rithist a stigh air do chridhe; thoir fo-near ceannfàth do smaointean, agus ciod a th’ air d’ aire; ciod a rinn thu, agus ciamar a rinn thu e; ciod a ni thu ’s an ùine ri tighinn, agus ciamar. Faodhaidh tu so a dhianamh an àm gnothuch a ghabhail os laimh, agus an àm sgur dh’ e, no ceann-fìnid a chur air; an àm buairidh, no, ma dh’ éireas dhut tuiteam am fàillinn, no an uair a chuirear lrioblaid ort Faodaidh tu so a dhianamh ad ònrachd no am measg cuideachda. Sgeul air Tigeir. ’N uair a ghlacair an tigeir ’na chuilein òg, gabhaidh e calldachadh, agus anns na h-Innsean, bi’dh e gu tric ri fhaicinn ann an taighean nan daoine mora mar phiatan; ach is piatan cunnartach e. Tha sgeul air innse mu dhuin’-uasal anns an dùthaich sin a chaidh glé fhaisg air a bheatha chall le tigeir callda a rinn e fhéin a thogail. Bha e ’na shuidhe aon fheasgar a muigh faisg air dorus a’ bhùtha, a leughadh leobhair. Bha an tigeir na shuidhe ri taobh na cathrach aige, agus thòisich e air imlich cùl a làimhe. Cha robh ’n duin’-uasal a’ leughadh fada ’nuair a chual’ e dranndan aig an tigeir thug air sealltuinn an taobh a bha e, agus gu de b’ oillteile leis na a làmh fhaicinn làn fala! Thuig e gu h-ealamh gu robh nàdar fiadhaich an tigeir air beothachadh, agus na’n tàirnneadh e ’làmh air falbh bhuaithe gu’n leumadh e air ’s gu ’n reubadh e as a chéil’ e. Gu freasdalach, chunnaic e aon d’a sheirbheisich astar beag air falbh, agus ghlaodh e ris gunna fhaighinn agus an tigeir a mharbhadh air a bhad. An sin shuidh e gu balbh, sàmhach far an robh e, a’ leigeil leis an tigeir an fhuil imlich bhar a laimhe air a shocair; ach faodar a bhi cinnteach gu robh e faireachadh na h-ùine glé fhada. Ach rinn an seirbheiseach gach cabhag a b’ urrainn da, thainig e gu fàillidh air cùl an tigeir, chuir e ’n gunna ri shùil agus chuir e ’n urchair troimh ’n chridhe aige. Bha beatha ’n duine air a shàbhaladh, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do chum e piatan tigeir riamh tuilleadh. Ged is mor a ghearain a bhios aig daoin’ air fuachd a gheamhraidh anns an dùthaich so, tha e air a dhearbhadh gu soilleir gur h-ìad na dùthchannan fuara moran a’s falaine na na dùthchannan tetha. De dhùthchannan na Roinn-Eòrpa, ’se Norway agus Sweden na dha anns am faide beatha an t-sluaigh, ri ’n gabhail thar a chéile, agus ’s iad an da dhùthaich cho fada tuath ’s cho fuar ’sa th’ innte uile. Tha sluagh na h-Eadailt a pàigheadh barrachd cise air sluagh dùthaich sam bith eile th’ air an t-saoghal. As a h-uile dolair a tha teachd a stigh dhaibh tha da shent air fhichead aca ri phàigheadh ann an cisean. Is glic nach meallar, ach cha ghlic a mheallar tric. Is geal an cùnradh a thig fad as. [TD 100] [Vol. 4. No. 13. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 5, 1895. Bidh sinn toilichte aig gach àm innse d’ ar luchd leughaidh mu na bhios a’ tachairt air feadh na dùthcha; bhitheamaid glé dheònach a bhi cluinntinn o chàirdean cha’n ann a mhain as an dùthaich so fhein ach as gach cearna dhe’n t-saoghal, a’ toirt iomradh air na bhios a’ dol air adhart ’nam measg. Tha toil aig a MHAC-TALLA bhi ’na phaipear-naigheachd do na Gàidheil, agus ma ni iad gach cuideachadh a’s urrainn daibh leis, theid aige air a thoil a chur an gniomh. Tha sinn cinnteach nach eil gin d’ ar luchd-leughaidh nach dean toileachadh ri bhi faicinn litrichean as gach cearna dhe’n t-saoghal, ’s tha sinn an dòchas gu’n dean iadsan a bha sgriobhadh ugainn roimhe so lantuinn air an deagh obair, agus gu’n tig feadhain ùra ’gan cuideachadh. Tha ar caraid Urramach, “Iain,” do ’m bheil sinn fo chomain mhòr cheana, a’ gealltuinn na bhios na chomas a dheanamh g’ ar cuideachadh air a’ gheamhradh so tha romhainn. Tha dòchas againn, eadar na théid againn fhéin air a dheanamh, agus na ni ar càirdean ’g ar cuideachadh, gu’m bi am MAC-TALLA an deigh so na phaipear na’s fhearr na bha e riamh. Cha mhor nach eil Colorado gu h-iomlan air a chòmhdach le brat sneachda; cha’n fhacas a leithid anns an stàit riamh roimhe. Tha ’n sneachda eadar ochd òirlich us ceithir òirlich dheug a dhoimhnead. Is fhearr am bonnach beag leis a bueannachd na ’m bonnach mor leid a mhollachd. Iadsan a Phaigh. Ceit R. Dhomhnullach, Catalone Eoseph Moireastan, Marsh Lake Caipt. Raonull Domhnullach, Sidni Tuath Iain Drummond, Bras d’Or Mor D. J. Mac-Philip, L’ Archeneque Niall Mac-Gilleain, Fourchu An t-Urr. D. Siosal, Sagart Bhroad Cove Iain H. Domhnullach, Sidni Ruairi Mac Coinnich, Sidni (50c) Michael S. Mac Neill, Gleann Bharra Domhnull Mac Leoid, New Harris Uilleam Mac Aoidh, Bras d’Or Beag Eiric Nic Aidh, Beinn a Mharmoir Uisdean Mac Leoid, Gabarus Domhnull Ros, Forest Glen Stephen Mac Neill, P. M. Cobh a Bheaveir Caitriona Chaimbeul, Plaister Fear a’ Phosta. Salem Road An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria Alasdair Steele, Meinn Chaledonia Iain E. Mac Leoid, Ingonish Bean A. ’Ic Eachuinn, Port Hood D. Mac ’Ille-mhaoil, Amhuinn Dhennis Alasdair Domhnullach, Mabou (25c) Anna Nic Pharlain, South Cove, (50c) Iain Rothach, Rudha Mharsden, N. Zealand Alasdair Kempt, Waipu, N. Zealand Iain Mac Fhionghain Allt-a-Bhàillidh, N. S. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrews An t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, Antigonish Aonghas Mac Cuaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont D. R. Mac Cuaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont Domhnull Mac Gillebhràth, Cnoc na h-Eaglais, Ont D. Mac Fhearghais, Penetanguishene, Ont Alasdair Mac Eallair, Penetanguishene, Ont Padruig Crawford, Oldfield, Ont. Iain Mac Fhearghais. Port Arthur, Ont. Fearchar Deòra, Dunbheagain, (30c) Bean Lachuinn ’Ic Fhionghain, Brooklyn, P. E. I., ($3.00) An t-Urr. C. Caimbeul, Strathalba, P. E. I. Murcha Mac Laomuinn, Springton, P. E. I. Niall Domhnullach, Brebhig, Barra Seumas Mac Neill. Baile-nam-bodach, Barra Padruig Camshron, Cladach an Iar Africa. Aicheadh na caillich air an sgillin—nach e sgillin a bh’ ann idir ach da bhonn-a-sia. Tha mòran anns an t-saoghal a tha ’smaointean gu faod iad a dhol air an aghaidh anns an olc ma théid aca air ainm a thoirt air an olc nach robh air roimhe. Am fear air an robhas a’ fàgail gu ’n do ghoid e caora, thuirt e nach e ’goid a rinn e idir, ach gur ann a thug e leis i. Tha mòran de’n mhuinntir a tha ’gan gluasad fhéin gu mi-iomchuidh anns an t-saogal an duil gur còir an leth-sgeul a ghabhail ma their iad gur e gòraiche na h-òige, agus buaidh sheana bheachdan agus sheana chleachdaidhean na dùthcha a tha toirt orra bhith ’deanamh an uilc Feumar a chumail a ghnath air chuimhne gu bheil an t-olc ’na olc ciod sam bith ainm a bbeirear air. Cuir do mhuinghin ’san talamh, cha d’fhàg e falamh riamh thu. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a gheobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha, mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’n uai a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 101] [Vol. 4. No. 13. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Wiggins ag radh gu’n d’ thainig an stoirm aige mar a gheall e. Thegamh gu’n d’ thainig, ach cha’n fhaca duine ach e fhéin i. Bha i ri tighinn air an t-seachdamh latha deug dhe’n mhios. An d’ fhairich gin de luchd-leughaidh a MHAC-TALLA i. Tha Sidni Tuath a birudhinn air obair-uisge chur air adhart ’sa bhaile. Tha coinneamh gu bhi aca air an 17 latha dhe’n mhios so air son an gnothuch a chur an darna taobh. Mar tha ’m baile ’n dràsda, cha ’n eil e glé shàbhailte ma thig teine ’na rathad. Tha sinn duilich a chluinntinn gu bheil a dha dhe na mèinnean guail air an dùnadh suas, gun fhios cuin a theid car oibreach a dheanamh annta rithist, Meinn Chaledonia agus Meinn Bhridgeport. Cha ’n eil sin ach bochd dhaibhsan a bha deanamh am beòlaind annta. Bha Tòmas Payne, am fear a ghoid am bathar a stòr ann am Baddeck, aig cùirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuair e tri bliadhna dhe ’n taigh-oibreach. Thu cuid a’ meas nach d’ fhuair e ach peanaist glé aotrom. Ghoid e air fad a mach sa stigh mu fhiach chòig ceud dolair de bhathar. Gheobhair anns an àireamh so ainmean na feadhnach a phàigh air a mhios a chaidh seachad. ’S e ar barail gu’m faodadh an àireamh a bhi moran na’s momha. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh a pháigheas air a mhios so idir cho beag. Deanadh na Gàidheil an dichioll air MAC-TALLA chumail air a dheagh dhòigh. CREAGANAIS.—Tha caraid as an àite so a sgriobhadh gu bheil an sgrdan gle ghann air a chladach eadar sin us Port Hood, ach gu robh am biorach glé phailt air an t-seachdain s’a chaidh, a sracadh ’sa milleadh nan lion mar a b’ àbhaist daibh. Tha Donnacha Caimbeal agus Ailein Mac Gill-fhaollain a’ cur suas factoridh fheòla ann an Creaganais. Bha factoridh ghiomach ann àireamh bhliadhnaichean, ach tha i nise na tamh o chionn da bhliadhna. Bi’dh sinn gu tric a’ cluinntinn mu dhaoine ’s mu mhnathan a tha air aois mhor a ruigheachd. Bha e uair air a mheas ’na ni annasach duine dhol thairis air ceud bliadhna dh’ aois, ach cha’n eil e mar sin na’s fhaide. Tha daoine ’s mnathan anns gach cearna dhe’n dùthaich so a tha thairis air ceud bliadhna no glé fhaisg air. Am fear mu dheireadh air an d’ fhuair sinn iomradh, Caiptean Sylvestre Sampson, rugadh, agus thogadh e air an eilean so fhéin, ann an L’ Ardoise. Tha cuimhn’ aig air nithean a bha tachairt mu thoiseach na linne so cho math ’s ged a b’ ann an dé a thachradh iad. Bha ’athair a’ cogadh air taobh nam Frangach ’nuair a thug na Breatunnaich uapa Louisburg. Bha e chuid mhor de ’bheatha a’ seòladh, agus tha e air a dheagh dhòigh na sheann aois. Rugadh e ’sa bhliadhna 1794. Tha Mr. Seòras Mac Gilleain, fear-gnothuich aoidheil an Standard Life Assnrance Company, anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha a chuideachd so air aon cho math dhe’n t-seòrsa ’sa tha deanamh gnothuich, agus tha moran airgid-urrais aca an greim ann an Canada. Tha Mr. Alasdair Mathanach na fhear-gnothuich aca ann an Sidni. Bhuail da shoitheach na chéile aig beul na h-acarsaid oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha té dhiubh, an Cuba, a dol a mach, agus an té eile, Elliot, a tighinn a stigh gu Sidni Tuath. Bha ’n Elliot air a droch mhilleadh; gabhaidh e mu cheithir mile dolair a’ càradh. Buinidh i do Charlottetown, P. E. I. Cha d’ rinneadh dad air an té eile. Tha rathad-uisge St. Peter’s gu bhi deiseil; tha an obair ri bhi air a criochnachadh mu meeadhon a mhios, agus bidh an rathad-uisge air fhosgladh air son soithichean a dhol troimhe mu dheireadh a mhiosa. Bha e dùinte suas fad an t-samhraidh, agus cha’n eil teagamh nach do chumadh malairt nan lochan air ais gu mor leis. Ach ’s math an obair a bhi diante. Tha ’n t-Urr. L. I. Mac-a-Phearsain, sagart L’Ardoise ri bhi air a shuidheachadh ann an D’ Escousse, am paraisde anns an robh an t-Urr. Dr. Mac Neill, a tha nise na easbuig ann an Newfoundland. Tha ’n t-Urr. H. P. Mac-a-Phearsain, i a tha ’n dràsda ann an Arichat on Iar, ri bhi air a shuidheachadh ann an L’ Ardoise. Cha ’n fheil fhios fhathast cò bhios air a chur dh’ an sgireachd a tha esan a fàgail. Di-sathairne s’a chaidh, ’nuair a bha ’m bàta Mulgrave a tighinn thairis air Caols Chanso, thug fear Christopher Domhnullach leum a mach air a chliathaich. Chaidh a shàbhaladh le bàtaichean a chaidh a mach a Mulgrave. Am feasgar sin fhéin thug e ionnsuidh air tighin ri bheatha le a sgòrnan a ghearradh. Chaochail e feasgar an ath latha. Bha e mhuinntir Shiudaig, agus thugadh a chorp dhachaidh Di-luain. Tha iad ag ràdh gu’m b’ àbhaist da a bhi car as a rian. Cha ’n eil e coltach gu’m b’ e ’n fhirinn a bh’anns a bhrath a fhuaras air an t-seachdain s’a chaidh ag radh gu’n do chaochail ceathrar dhe na daoine chaidh a leònadh faisg air Ceap Nòr. An cunntas mu dheireadh a fhuair sinn air an t-seachdain so, bha e ’g radh gu bheil a choltas orra gu’n tig iad uile uathe ach aon fhear ris nach eil moran dùil aig an dotair. Thug Burton am fear a rinn an cron a chasan leis, agus chaidh a ghlacadh ann an Oxford, N. S., Di-sathairne s’a chaidh, ’s tha e ri bhi air a thoirt dh’ an phriosan ann am Baddeck. POSAIDHEAN. Aig Marion Bridge, air Di-màirt, a cheud latha de dh’ October, leis an Urr. Uilleam Calder, Ruairidh Mac Asguill á Framboise, us Ceit Nic Fhearghais, New Boston. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 102] [Vol. 4. No. 13. p. 6] ALNASCAR. “Am bruadar so, am faoin-sgeul e, No ’m faodadh e bhi fìor?” Cha robh ann an Alnascar ach lunndaire leisg nach oibricheadh car ’s nach salaicheadh a lamh cho fhad ’s a bu bheo ’athair. Aig am a bhais, dh’fhag athair aige coig fichead bonn òir. A chum na cuid a b’ fhearr a dheanamh dhiubh, chuir e am mach iad ann an gloineachan, botail, agus soithichean creatha ro luachmhor agus ro riomhach. Iad so chur e ann am bascaid mhoir, agus an deigh dha bùth beag a ghabhail air mhàl, shuidh e ann; chur e a’ bhascaid aig a chasan, agus leig e a dhruim ris a’ bhalla a’ feitheamh luchd-ceannaich. Am feadh ’s a shuidh e mar so gu socair ag amharc air a’ bhascaid agus air a’ bhathair phriseil a bha innte, thuit e ann an trom-smaoin anabarrach taitneach; agus chualas e le cuid de na coimhearsnaich a’ bruidhinn ris fein mar a leanas:—“Chosd an cliath so dhomhsa mu choig fichead bonn òir—mo chuid an t-saoghal. An uair a reiceas mi na na th’ ann tilgidh e air a’ chuid is lugha deich fichead bonn oir. Ann an uine gle ghoirid eiridh an t-suim so gu ceithir chiad agus ri h-uine, cinnidh so a rithist gu ceithir mìle. Cha bhi e doirbh ceithir mile bonn òir a dheanamh ’n a ochd mile. Cho luath ’s a bhios mo mhaoin mar so air cinntinn gu deich mile, cuiridh mi dhiom obair ghloineachan as bhotal, agus gabhaidh mi gu malairt ann an seudan agus clachan luachmhor. An sin reicidh mi gach seorsa dhaoimean, neamhnaid, agus usgraichean briagha. An uair a chuireas mi r’ a cheile de shaoibhreas na mhiannaichinn, ceannaichidh mi an tigh is eireachdaile a ghabhas fhaotainn, maille ri fearann, seirbheisich agus feudail. Tòisichidh mi an sin air toil-inntinnean na beatha so a mhealtainn; agus mur dean mise stairirich anns an t-saoghal! Ach cha chum so idir rium; leanaidh mi air gus an cuir mi cruinn ciad mile bonn òir; agus, le so fo m’ laimh, is dùth dhomh bhi ag amharc os cionn bàrr mo shroine; cha bhi prionnsa ’s an rioghachd nach bi mi cho miadhor ris, agus iarraidh mi nighean an Uachdarain air laimh mar mhnaoi; an deigh dhomh an toiseach a chur an ceill da an cunntas ard a fhuair mi air an eireachdas, an tuigse, agus a’ chrionntach air son am beil i comharraichte agus ainmeil. Leigidh mi ris da, aig a’ cheart àm, gur e mo run mile bonn òir a shìneadh dha mar thiodhlac air oidhche na bainnse. An uair a phosas mi nighean an Uachdarain gheobh mi dhi deich seirbheisich a dh-fheitheamh oirre, cho math ’s a ghabhas faotainn, ma ni airgiod e. N’ a dheigh sin theid sinn le greadhnachas, agus le riomhaidh gun a leithid a dh-fhaicinn m’ athar-ceile. An uair a chuireas e mi am shuidhe air a laimh dheis—rud a ni e gun teagamh ged nach biodh ann ach a chur urraim air a nighinn—sìnidh mi dha am mile bonn òir a gheall mi, agus an deigh sin, chum a mhor-ioghnaidh, builichidh mi air sporan anns am bi uidhir eile ag radh rudeigin mar so:—Tha thu a’ faicinn gur duine mi a sheasas ri m’ fhacal—seadh, is gnath leam daonnan tuilleadh ’s a gheallas mi a thoirt seachad.’” An deigh domh a’ bhan-phrionnsa a thoirt dachaidh chum mo luchairt, bheir mi an aire mhath gu’n oileanaich mi i gu mor mheas agus urram a chur orm m ’an toir mi an t-srian d’ ar sugradh agus d’ ar gaol. Chum na criche so cumaidh mi ’n a seomar fein i car tamuill, a’ dol an drast ’s a rithist g’a faicinn, ’s gun a’ labhairt ach beagan rithe. Thig an sin a mnathan-frithealaidh a dh’innseadh dhomh gu bheil mo mhi-chaoimhneas an impis a cridhe a bhristeadh, agus guidhidh iad orm, le deoir ’n an suilibh, mi ’dhol g’ a caidreadh, agus mi ’leigeil leatha suidhe lamh rium; ach gabhaidh mi orm a bhi do-lùbadh agus tionndaidhidh mi mo chul oirre. Thig a mathair agur bheir i a h-ighean am ionnsaidh ’s mi leam fein air suidheachan riomhach. Tilgidh an nighean i fein aig mo chasan, a’ sileadh nan deur, agus aslaichidh i orm mi g’a gabhail air a h-ais a dh-ionnsaidh mo chridhe agus mo ghaoil. An sin a chum’s gu ’m bi i air a lionadh le lan urram domh, agus gu bhi umhal, iriosal, tairngidh mi mo chas, agus tilgeadh mi uam i le breab a chuireas an comhair a cùil i thun taobh eile ’n tighe.” Bha Alnascar cho mor air a shlugadh suas leis an taisbeanadh fhaoin so ’s nach b’ urrainn da gun a chur an gniomh le ’chois an ni sin a bha aige ’n a smaointean; air chor ’s gu ’n d’ thug e gu mi-fhortanach breab do ’n bhascaid làn d’ an bhathar bhrisg, a bha gu bhi na bhunait aig a ghreadhnachas gu leir, a thilg i fein ’s na bha innte ’n am pronnan am mach air meadhon na sràide. Eadar. le MAC-MHARCUIS. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MACLAOMUIN, M. A. D. D. CAIB. VIII. Bha càch fo iongantas, agus dh’iarr iad cumail aig iomaireadh; ach bha facal Tuigse na lagh. Rinn iad ullachadh chum sgioba “Seann Feòlmhorachd” a ghabhail air bòrd a “Gheallaidh.” Thog Tuigse suas a ghuth agus ghairm e orra. Cha d’ fhuair e freagradh; rinn iadsan bha air bòrd dichioll chum iad féin a shàbhaladh. Ghairm e rithisd: Dh-irich cuid aca na cruinn, agus dh-amhairc iad rathad a “Gheallaidh,” ach cha d’ thug iad sanas air bith. Bha na Maraichean thar tomhais fo ioghnadh; an tuille fòs do bhrigh, ’nuair bha briathran na slàinte air an seirm na’n cluasan, thug cuid duibh-leum do’n fhairge chum ruigheachd air “Rutha-gun-Dochas,” agus chaidh as dhaibh gu truagh. Bhitheadh an soitheach na sgealban an ùine ghoirid; gidheadh cha robh anam a bheireadh éisdeachh do briathran Tuigse, ni motha an robh iad iarratanach air dol air bòrd a “Gheallaidh.” Dh’iomair iad ni bu dlùithe, agus rithisd ghairm Tuigse orra; sguab a ghuth thairis air “Seann Fheolmhoireachd” agus bhàsaich i air “Rudha-gun-Dochas.” Dh’ fheith iad air son freagradh, ach d’ fhuair iad sid. Ghabh seòladairean “Seann Fheolmhoireachd” comhairle maille ri chéile. Dh-feòraich caiptean “Deagh Choltas” dhiubh gu sgeigeil am bitheadh iad fo chomain an slainte do shoitheach a bhuineadh do Imanuel. Bha cuid dheth ’n inntinn dol air bòrd a “Gheallaidh,” ach thubhairt aon da m’ ainm “Ceann Ruisgte,” Rinn mise suas m’ inntinn. B’ fhearr leam bàthadh mile uair na bhi air mo shabhaladh leis a ghràisg ud. Mar so labhair càch. Bha iadsan a bha iarratanach bhi air an tearnadh air chor air bith, fo eagal aideachadh. Bha an t’ àm taitneach a dol seachad. Thug caiptean “Deagh Choltas” sanas dhaibhsan bha air a chladach, dh-aithn e dhaibh ràth a dheanamh, rinn e na bha na chomas, ach a mhain nach earbadh e e féin ris a “Ghealladh.” Bha cuid arraidh air tìr a chunnaic an sanas aig “Deagh Choltas” agus ghiulain iad facal dh-ionnsuidh a “Phriunse Dhuibh” a dh’òl agus a bha subhach na chaisteal air “Rudha-gun-Dochas.” “Am bheil an soitheach cailte?” dh-feoraich e. Fheagair iadsa gu robh i dol na mir- [TD 103] [Vol. 4. No. 13. p. 7] ean. “Na bitheadh tuille imcheist oirbh thaobh nan daoine;” lion e a ghlaine agus ghàir e gu cridheil. Ach dh’iomair an “Gealladh” ni bu dlùithe, ’s ni bu dlùithe. “Co-eignichamaid gu teachd a stigh” thubhairt Peadar—as gann a bha air a bhacadh o leum do’n fhairge agus snamh chum furtach orra. (Ri leantuinn.) Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean uachdair bhan, deacaidean agus cleòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain. Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95, Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig’ dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 104] [Vol. 4. No. 13. p. 8] BLAR NA H-OLAINT. LE ALASDAIR MAC-FHIONGHAIN. FONN.—Alasdair a Gleanna-Garadh. Air mios deireannach an fhoghair, ’N dara latha, ’s math mo chuimhne, Ghluais na Breatunnich bho ’n fhaiche A chum tachirt ris na naimhdean. Thug Abercrombi taobh na mara Dhiu le chanain ’s mi gan cluinntinn, ’S bha foirneadh aig Mùr gu daingeann ’Cumail aingil ris na Frangich. Thriall Abercrombi ’s Mur na feile Le ’n laoich euchdaich thun a bhaiteil; ’S tharruinn iad gu h-eolach, treubhach, Luchd na Beurla ri uchd catha. Nuair a dhlùth na h-airm r’a cheile ’Dhubhadh na spuran le ’n deathach; ’S bu lionmhor fear a bha ’san eisdeachd Nach do ghluais leis fein an ath oidhch’. Dh’ fhag iad sinne, mar a b’annsa, Fo cheannardachd Morair Hunndaidh; An t-og smearail, fearail, naimhdeil Nan teannadh ainneart da’r n-ionnsuidh; Le ‘bhratichean siod’ a strannrich Ri ’n cuid chrann a danns’ le muiseag; ’S na fir a togairt thun nam Frangach; B’ iad mo ruu-s’ a chlann nach dùiltadh. Bha ’n leoghann colgarra gun ghealtachd, Le ’mhile fear sgairteil lamh ruinn; An camaranach garg o’n Earrachd Mar ursann chatha ’s na blaraibh. Dh’aontich sinn mar aon ’sa bhaiteal, Le faobhar lann sgaiteach stailinn; Cha bu ghniomh le ’r laoich gun taise Faoineis air an fhaich’ le lamhach. Bhruchd na naimhdean le ’n trom làdaibh Air muin chàich an aite teine; ’S nuair fhuair Sasunnich droch càradh Thill iad o’n araich ’n ar coinnimh, Ghlaodh Ralf Uaibhreach ri chuid armunn, Greasaibh na Gaidheil ’nan coinnimh, ’S tionndaidh iad an ruaig mar b’ abhaist, An dream àrdanach, neo-fhoilleil. Grad air an sghart ’san araich Ghluais na saighdearan nach pillteadh; Mar iolairean guineach, gun chaoimhneas, Nach b’ fhurasda ’chlaoidh le mi-mhodh. Thug iad sgrios le ’n gathan boisgeach, Mar dhealanich oidhche dhìlinn, Ri sior iomain romp’ nan naimhdean, Is neul fal’ air roinn am picean. Nuair a dh’ ionndrainn a chuid chonnspunn Morair Gordon bho uchd buailte, ’S a chual iad gun robh e leinte, Dh’ urich iad le ’n deoin an tuasaid. Mar mhaoim de thuil nam beann mora ’Bruchdadh bho na neoil mu ’r guaillibh, Lean iad an ruaig le cruaidh spòltach, Gu fuilteach, mor-bhuilleach, gruamach. Na Camaranich an tus a chatha Fhuair an losgadh mar an ciadna; Leonadh an ceann-feadhna sgairteil Ri comhrag baitealach a liath e. Bu shònruicht’ coltas na dearcaig ’S an fheoil nach taisicheadh fiamhachd; Mun d’ chrom a ghrian fo cleoc tasgaidh, Phaigh sinn air an ais na fiachan. Ged bha na Rioghalich bho Albainn, Na fir ainmeil, mheanmnach, phriseil, Fada bhuainn ri uair a gharbh chath,’ Fhuair iad ainm ri uchd nam miltean. Ghreas iad air aghaidh gu colgail Nuair a chual iad stoirm nam pìcean. Mo chreach! luchd nam breacan balla-bhreac ’Bhith, le lasair, marbh nan sineadh. Tha na Frangich math air teine Gus an teannar goirid uapa; ’S ann mar sin a fhrois iad sinne Re deich mionaidean na h-uarach. Ach nuair ’fhuair ar laoich gun tioma ’Dhol an aite buille ’bhualadh, Bha roinn nan stailinnean biorach ’S àthadh guneideach mu ’n tuaiream Gum b’ e sin a tuaiream smearail, Cinnteach, amaiseach, gun dearmad, ’Thug na leoghainn bhorba neamhuil, ’Bu cholgail sealladh fo ’n armaidh; Ri sgiursadh naimhdean mar fhalisg, ’S druch lan fallais air gach calg dhiu. Bha Fhrangich a brùchdadh fala, ’S an cùl ri talamh ’sa ghainmhich. Mar neoil fhuilteach air an riasladh Le gaoith a b’ iargalta seideadh, ’Ruith nam baidnibh ceigeach, liath-ghlas, ’N deidh an cliathadh as a cheile, Chìteadh na naimhdean, gun riaghailt, ’Teicheadh gu dian bho uchd streupa, ’S iad a leaghadh air ar bialthaobh Mar shneachd am fianuis na greine. Nuair chuireadh am baiteal seachad, ’S a dh’ àireadh ar gaisgich threubhach, Bha iomadh Gaidheal ’s an deachamh Le meud am braise san streupa; Fuil a ruith air lotaibh frasach O luchd bhrecanan an fheilidh, ’S i sìor thaomadh leis na glacan:— ’S truagh nach d’ fhuair ar gaisgich eiridh. ’S bochd gun sian orra bho luaidhe, On a bha iad cruaidh nan nàdar, Fulangach gu dhol ’san tuasaid, Guineideach ’nuair ghluaist’ an árdan. Cha robh math da ’n namhaid gluasad ’Dh’ iarraidh buaidh orra ’sna blaraibh; Chaill iad air an traigh seachd uairean Tuilleadh ’s a bha bhuainn ’san araich. Ged a thill sinn do ar duthich, Cha d’ mhill sinn ar cliu an cruadal; Bha sinn gach latha gan sgiursadh, Mar chaorich aig cu gan ruagadh. Dh-aindeoin an cuid sloigh gun chunntas ’Tigh ’nn o’n Fhraing as ur gu ’r bualadh, Bu leisg ar gaisgich gu tionndadh Nuair a chord an Dùic ri ’nuaislean. ’Nis on chuir iad sinn do Shasunn Ghabhail ar cairtealan geamhraidh, Far am faigh sinn leann am pailteas, Ged tha mac-na-bracha gann oirnn, Olar leinn deoch-slaint’ a Mharcuis, Ar guallann thaice ’s ar ceannard; ’S tha sinn cho ullamh ’s is ait leis ’Dhion a bhratichean o ainneart. Tha dùil aig luchd-togail nan soithichean air Amhuinn Chluaidh ri òrdugh cho Iapan air son fìach chòig muillein fichead dolair de shoithichean-cogaidh. C. H. HARRINGTON & CO Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 105] [Vol. 4. No. 14. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 12, 1895. No. 14. CORP CREADHA. AGUS SGEULACHD “CHALLUM GILLE.” Is minig a chuala mi an làithean m’ òige beul-aithris air buidseachd. Comhla ris a b-uile geasag eile air an d’fhuair mi iomradh, bha ’n “Corp creadha.” Bha an corp creadha air a dheanamh air son dioghaltas a dheanamh air duine sam bi nach bu toigh leat. ’S dòcha gu’n bheil sibhse an dùil gu’n do sguir an obair fhaoin so o chionn fhada, ach cha do sguir. Chaidh corp creadha dheanamh ann an Ceap Breatunn ri mo latha féin, agus leugh mi gu robh an cleachdadh ceudna air a leantuinn ann an Alba gus o chionn dusan bliadhna, agus dh’fhaoirte gu bheil e ri fhaotainn eadhon air an latha ’n diugh. Anns a’ bhliadhna 1883 thainig càs air beulaobh cùirt ann am baile mor Inbhirnis, agus thug fear de luchd na còmhstri a làthair corp chaidh a deanamh dha fhéin. Mu’n innis mi mu’n chorp a tha ’nam bheach feumaidh mi innse an t-aobhar a bha air son a dheanamh. Mar sin innsidh mi sgeulachd “Challum Gille.” Cha ’n eil mi cinnteach ciamar a fhuair Callum am far-ainm so. Bha e ’na ghillé iasgaidh, fuasgailte. An deigh dha a ghriasachd ionnsachadh, agus teaghlach ’athair gun bhi ro chothromach, chuir e roimhe gu rachadh e ’ga chosnadh. ’Se toiseach a gheamhraidh a bh’ann, ’s cha bhi obair sam bith gle phailt mu’n àm sin de’n bhliadhna. Thog e air gu dhol a ghriasachd air feadh nan taighean, a deanamh brògan ùra no chàradh shean bhrògan mar a thachradh ris. Cha robh moran acuinn a dhith air; bha minidh no dha aige, sgian, òrd, turcais, snath bhròg, mir de ròsaid agus friodhain muice. Leotha sin agus le beagan de nithean eile nach d’ rinn an t-eallach glé throm, thug e ’n rathad air gu sunndach. Thug e a cheud sgriob thun an Eilein Mhòir far an robh an sluagh uile glé chothromach, agus an uine ghoirid thainig e gu fàrdaich Iain Raib ’Ic Leòid air “rudha ’n eilein,” far an d’ fhuair e pailteas oibreach. Bha bràthair do dh’Iain a’ cur seachad a gheamhraidh còmhla ris do’m b’ainm Donnacha, sgiobair soithich. Bha bòtainnean mòra aig Donnacha a cheannaich e ann am port Frangach, agus a bha tuilleadh us farsuinn dha. Thug e do Challum iad gus an deanamh ni bu lugha. B’ iad sin bòtainnean a dhunaich do Challum; thòisich e orra, agus ma bha iad ro mhor roimhe, rinn esan ro bheag iad, agus bha iad air an tur mhilleadh. B’ fheudar do Challum bochd teicheadh, no bheireadh Donnacha droch laimhseachadh dha; ach ’nuair nach d’ fhuair Donnacha greim air, rinn e oran dha. Bha e na dheagh bhàrd. Cha’n eil agam air chuimhne dhe’n òran ach rann no dha. Bha e air fonn “Blar na h-Eipheit. ’M b’ aithne dhuibhse Callum Gille? ’N gille sean aig Domhnull P—; ’Nuair a thainig e an tùbh-so Bha mi ’n dùil gu faighinn brògan; Thug mì bòt’nan dha ri chàradh, Sgaoil e ’n àird a chum nam beòil iad, ’Sa h-uile greim a chaidh an àit sin, Bha dha dhiubh a’ dol gu òirleach. Bha e cho math air a cheaird, na ’m b’ fhior, ’s gun do shiubhail e gach cearna de’n t-saoghal, agus bha ’n t-òran a toirt cùnntas air na chunnaic e. Mu dheireadh rainig e Sina Cha robh ’n sin ach brògan iaruinn, Cha robh miadh ac’ air a cheaird-san, &c, &c. Thainig e ’n deigh sin dhachaidh ’na dhuine beairteach. Bha ’n t-òran ag innse gu robh e uair a mach a shealgaireachd. Ach ’s tu ni ’n càs marbhaiche ’Nuair a thacharas na ròin riut Bi’dh tu a falbh an chis a’ chladaich ’Measg nan creagan air do spògan. Lùbaidh tu do ghlùn ’s an amharc Dùinidh tu do ghial-shùil bòidheach. Theid iad fodha ’n coinneamh ’n casan, “Taing you, Challum,” their an ròn riut. Agus mar sin air adhart. Bheireadh an t-òran toileachadh mòr do luchd-leughaidh a Mhac-Talla anns an dùthaich so. Ach, coma co-dhiu, ’nuair chuala màthair Challuim mu’n òran, ghabh i ’n caothach dearg. Cha robh ioghnadh ann an sin, oir cha bu toigh le màthair sam bith a bhi deanamh tarcuis air a mac. Cha robh dòigh sam bith aice air son an tòrachd a thoirt a mach ach le buidseachd a dheanamh. A làn chreidsinn gu’n tigeadh a guidhe gu crich, rinn i corp creadha air cumadh Dhonnacha i, chàraich i e ’san allt far am biodh an sruth a ruith thairis air, le guidhe mar a chaitheadh an corp creadha gu’n biodh corp Dhonnachaia caitheamh mar an ceudna! A bhean bhochd, c’àite ’m bheil i ’n diugh? agus Donnacha beò fhathast. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., 5, 9, ’95. Litir a Penetanguishene FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,—’S cinnteach leam gu bheil iongantas ort nach cual’ thu diog bhuam bho chionn fada. Ach coma co-dhiu, “’s fhear treabhadh anamoch na ’bhi gun treabhadh”. Tha mi aig an àm so a cur tri dolair gad ionnsuidh aon airson Iain Mac Fhearghuis aig Port Artair, Ont., agus aon-an-t-aon airson Alasdair Mac Eallair agus mi fein aig Baile-nan-Gaduichean. Fhuair an triùir aginn a cheud phàirt do’n Choisir Chiuil bho’n Scottish Canadian ’san àm ’sa robh e air ghleus, ach cha d’fhuair sinn riabh an darra no an treas pàirt, oir tha mi an dùil nach robh iad air an clodh-bhualadh aig an am. Am bi thu cho math agus fios a chuir gar n’ionnsuidh gu de na chosdas iad dhuinn ann an airgiod, oir bu mhath leinn gle mhath an faighinn a nis. Le deadh-ghean do’n t seorsa ’s fhear. Is mi do charaid, Domhnull Mac Fhearghuis. Is beò duine an deigh a shàrachadh, ach cha bheò an deigh a nàrachadh. [TD 106] [Vol. 4. No. 14. p. 2] BAS RIGH RAIBEART. Chunnaic Raibeart Brus crioch a shaothrach, ’s a thrioblaidean uile, a rioghachd a chur saor o chumhachd ’us ain-tighearnas coigrich sam bith. Ach tharruing na h-easbhuidhean ’s na cruadalan troimh an deachaidh e n toiseach a rioghachaidh, tinneas air nach gabhadh leigheas, ’n uair nach robh e fathast ach am meadhon aois. Chuir e seachad a’ chuid mu dheireadh de ’làithean ’an lùchairt Chairdrois air amhainn Chluaidh. ’N uair a bhiodh dad de fheabhas air, bhiodh e lningeireachd air an amhainn ann am bìrlinn a bha e ’cumail a dh’ aon bhàgh air son sin; agus gu maith tric ag amharc thairis air togail luingeas, araon air son malairt ’us cogaidh, ni a bha e ro dhéigheil air fhaicinn ’an Alba. Bu ro thoigh leis mar an ceudna bhi faicinn aitreabhan an rioghachd a’ dol am feabhas, ni anns an robh e féin a’ toirt eisimpleir d’ a chuid iochdaranaibh. An uair a dh’ aithnich e ’chrioch a’ teannadh ris chuir e fios air àrd-mhaithibh na tìr as am feudadh e earbsadh, agus thug e teann òrdugh dhaibh, air an onair ’s air an dìlseachd, a bhi firinneach d’ a mhac, Dabhaidh, agus an crùn a chur air a cheann co luath ’s a thigeadh e gu aois a bhiodh freagarrach. Ghairm e thuig’ an sin Morair Seumas Dùghlas, agus labhair e ris ’an éisdeachd chàich uile. “A charaid chaoimh,” ars’ esan, “cha ’n ’eil neach sam bith aig an fhearr a tha fios na agadsa cia mòr an t-saothair agus na fulangais troimh an deachaidh mis’ air sgàth còraichean na rioghachd so. ’N uair bu mhò bha mi air mo theannadh thug mi bòid do Dhia, na ’m bithinn air mo chaomhnadh gu crioch fhaicinn air mo chogaidhibh, agus an rioghachd so a riaghladh an sìth, gu ’n rachainn an sin a chogadh an aghaidh naimhdean* ar Tighearn’ agus ar Slànnighir. Cha do sguir mo chridhe riamh a lùbadh do ’n mhiann so, ach cha tug an Tighearn aonta do ’ni so, oir bha ni’s leòir agam air mo làmhaibh re m’ uile làithean, agus tha mi nis air mo bhualadh leis an tinneas throm so, mar a chi sibh uil’, air sheòl ’s nach ’eil ni air mo shon ach bàsachadh. Agus o nach urrainn mo chorp dol an sud, rùnaich mi mo chridhe ’chur ann an àite mo chuirp, air son mo bhòid a choimhlionadh. Agus a nis, a charaid ionmhuinn agus dhìleis, a chionn gu bheil fios agam nach ’eil ’s an rioghachd air fad uasal is gaisgeile na thusa, tha mi ’g aslachadh gu’n gabh thu os làimh an turu-scuain so, agus gu’n diol thu na fiachan so air son m’ anma; oir tha ’bharail sin agam air d’ fhirinn ’s air d’ uaisleachd gu bheil mi dearbhta gu’n coimh-gheall thu ciod sam bith a ghabhas tu os làimh. ’S i mo thoil, uime sin, co luath ’s a bhàsaicheas mi, gu’n toir sibh an cridh’ as mo chorp, ’s gu’n toir sibh mu’n airidh spìosraidh a chur air, ’s gu ’n gabh sibh de ’m chuid ionmhais a mheud ’s a shaoileas sibh a bhi pailteas araon duibh féin ’s do bhur companachaibh; agus gu ’n toir sibh leibh mo chridhe ’s gu ’n càirich sibh e ’n uaigh naoimh ar Tighearn, a chionn nach urrainn an corp so dol an sin.” Bha gach neach a bha làthair a’ sileadh nan deur ag éisdeachd na h-òraid so, agus an Dùghlasach cùranta mar chàch. ’N uair a fhuair e fo ’anail, fhreagair e gu ’n robh e toirt mìle taing do ’n rìgh air son na h-earbsa bha e cur ann; agus gu ’n robh e ro dheònach air ùmhlachd a thoirt gu ro dhìleas d’a àithne. Thug an rìgh an sin taing dha, ’s thug e air gealltuinn, air focal firinneach ridire, gu ’n deanadh e ni a bha a ag iarraidh. ’N uair a gheall an Dùghlasach a réir sin e, thug an rìgh taing do Dhia an sin, ’s thuirt e gu ’m bàsaicheadh e ’n sìth a chionn gu ’n robh fios aige gu ’n deanadh an duine bu treubhaiche ’n a rioghachd an ni ud air a shon nach b’ urrainn e féin a dheanamh riamh. An déigh so thruimich a thrioblaid air, ’s chaochail e anns a bhliadhna 1329, an 7 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh. Bha e da fhichead ’s a cuig deug a dh’ aois, agus ’n a rìgh 23 bliadhna. Rinneadh caoidh mhór ’an Alb’ air a shon. Agus na ’m b’ fhiach do Alba cumha dheanamh air son aon sam bith de ’cuid mac’ b’ e phearsa rioghail so, gun teagamh, a b’ fhearr an airidh air an onair sin. Ach bha aobharan an caoidh ni bu mhò na bha iad a’ faicinn an là ud. Rinn iad uaigh riomhach mharmoir air a shon ann an coisir chùil Abaid Dhunfermlin. Ghnàthaich an eaglais gach greadhnachas a bha ’n a comas aig àm a bhi ’g a adhlacadh, na ’n deanadh ceòl-thuireadh, ’us tional easbuigean, ’us luchd-dreuchd de gach inbh’ ’us ainm e. Ach anns na stadaibh a bha ’n tràths ’us a ris a’ dol air ceòl nan innealan, chluinnteadh fuaim a’ ghuil ’s an tuiridh a measg a chomh-chruinneachaidh lionmhoir ud. Tha rìgh Raibeart air a chumail fa chomhair luchd-leughaidh mar is trice, mar fhear-cogaidh—mar neach a dhoirt mòran fola. Cha bu deic leis na b’ éigin do dheanamh dheth sin ’an dion a bheatha féin, s a’ seasamh còraichean a rìoghachd. Ach tha caochladh nithe sgriobhta mu ’thimchioll a tha deanamh soilleir gu’m bu duin’ iochdmhor, truasail e, co maith is gaisgeil ri aghaidh cruadail; ach ris nach b’ urrainn sinn eadhon beantuinn anns a ghiorrachadh so a rinn sinn air a ghniomharaibh euchdail. Goirid an déigh bàs an rìgh, dh’ fhalbh am Morair Dùghlas, le àireamh maith de luchd-leanmhuinn, air los cridh a’ Bhrusaich adhlacadh ’s an uaigh Naoimh ’an Ierusalem. Bha e aig’ ann an soireig airgid, crochte m’ a amhaich, le sreing de òr ’s de shide. Air an turus do’n àirde near chaidh na h-Albannaich air tìr ’s an Spainn. Ghabh rìgh na Spainne ain gu subhach. Thachair gu’n robh cogadh ’s an àm eadar Alphonso, righ na Spainne, agus Osruin, righ nan Sarasach, luchd-leanmhuinn Mhahomeit, a bha ’n déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòir de’n Spainn fada roimhe sud. Thug Alphonso air na h-Albannaich aontachadh ri dhol ga chuideachadh an aghaidh nan naimhdean so. Choinnich an dà armail ann an achadh faisg air Gibraltar. Rinn Alphonso Mort air Seumas Dùghlas ’n a Sheanalair air roinn mheadhonach an airm. Chuir a’ chuid sin de’n armailt air theicheadh na bha mu’n coinneamh de’n nàmhaid. Ach lean iad an ruaig ro fhada, ’s thug na Spainich an aghaidh air creachadh. Ach phill an eachraidh Sharasach air an ais, ’s chuartaich iad an tearc a bha ’g an ruagadh. ’N uair a dh’ fhairich an Dùghlasach an nàmhaid a’ dòmhlachadh timchioll air, dh’ fhuasgail e ’n còrd a bha ’ceangal na soireig o ’bhroilleach ’s thilg e i fad a ghàirdein do mheadhon an nàmhaid, ag ràdh aig an àm cheudna, “Gabh air thoiseach ’s a’ chòmhraig mar bu nòs duit, ’s leanaidh an Dùghlasach thu, no bàsaichidh e.” An sin dh’ oibrich e ’chlaidheamh mòr co math ’s gu’n do réitich e àit’ anns an robh cothrom dol mu’n cuairt aige. Ach bha na naimhdean co lionmhor ’s co guineach timchioll air ’s nach robh [TD 107] [Vol. 4. No. 14. p. 3] dol as aige. Fhuaradh a chorp làn de lotaibh, faisg air an àit ’s an robh an t-soireag airgid le cridhe an rìgh ’n a luidhe. Phill na mhair beò ’an déigh a’ bhlair ud de na h-Albannaich dhachaidh. Thug iad leò cnàmhan an Dùghlasaich, agus chuir iad air leth am fear a b’ urramaiche ’n a measg air son an t-soireag phriseil a ghiùlan air ais do Alba. Dh’ adhlaiceadh cnamhan an Dùghlasaich ’n a eaglais fein, maille ri ’aithrichibh. Dh’ adhlaic iad cridhe Raibeirt Brus ’an Abaid Mhelros. Anns a’ bhliadhna 1818 bha luchd-oibre ’gearadh bunait air son eaglais ùr a thogail air lathrach seann Abaid Dhunfermlin. Anns a’ ghlanadh a bha iad a’ deanamh an sin thàinig iad air uaigh rìgh Raibeirt. Bha còmhdachadh luaidhe air a tharruing ’an cumadh crùin aig a cheann, a’ cuairteachadh a chuirp. Bha mìrean de’n lìon-eudach òir ’s an deachaidh ’adhlacadh fathast ri ’m faicinn. Fhuaradh gu ’n robh na h-aisnean air taobh clì a’ broillich air an sàbhadh as a’ chéil’ air son an cridhe thoirt a mach. Thainig òrdugh a nuas á Lunuinn na cnàmhan a bhi air an gleidheadh gu cùramach gus am biodh tàmh-thigh ùr air ullachadh air son an càradh ann le mòr urram. Chruinnich mòran de shluagh na dùthcha, iosal ’us uasal, gu sealladh fhaicinn de ’n a bha ’n éis de ’n ghaisgeach chliùiteach. Bha iad a sealltuinn le fiioghnadh ’us amh air a’ chlaigionn ’s an robh comhairle co glic a’ còmhnachadh uair eigin, agus air a’ chnaimh chaithte ud, a b ’e aon uair an gàirdean neartmhor a bhuail gu talamh am Bohun garg. Balla Mor Shina. Ma theirear gur h-iad Barrachaoil (pyramids) na h-Eipheit an t-ioghnadh a’s motha th’ air an t-saoghal, faodar a radh gur e Balla Mor Shina an darra h-ioghnadh. Tha iadsan a chunnaic e ag radh gur e aon obair cho iongatach sa rinn mac an duine riamh. Tha e teiseachadh aig a mhuir air an taobh an ear agus a leantuinn air taobh tuath us iar-thuath na dùthcha fad cheithir cheud deug (1400) mile. Tha e air a thogail ’sa chuid a’s mo air cloich, ’s air cloich-chreadha, agus tha tùir air a mhullach astar goirid o chéile. Bha e mar sin air dòigh ’s na’n cuirte dragh air freacadain aon tùir gu’m b’ urrainn freacadain an da thùir a b’ fhaisge tigh’n ’gan cuideachadh. Anns gach àite a bha furasda do nàmhaidh a ruigheachd, bha daighneachdan làidir air an togail. Ann an àiteachan tha ’m balla dùbailte, agus ann an corra àite tri-filte, ach faisg air a cheann an iar dheth cha’n eil ann ach dùn mòr talamhainn. Tha e ann an cuid a dh’ àiteachan a’ direadh ’sa tearnadh chreagan us bheanntan àrda, agus tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a chaidh aca-san a bha ’ga thogail air an stuth a thoirt ann no a chur ri chéile, oir cha’n eil clachair no fear-togail anns an Roinn Eòrpa an diugh a bheireadh ionnsuidh air eadhon tigh a chur suas ann an cuid de na h-àiteachan uamhsach anns am bheil am balla so na sheasamh gu daingeann o chionn còrr us da mhile bliadhna. Tha e air a thogail le balla tana cloiche air gach taobh dheth, agus eadar an da bhalla air a lionadh le talamh, air dhòigh ’s gu’n saoileadh duine gu’m bu chlach air fad e. Tha a chuid iosal dheth air a dheanamh de chlachan mòra, agus mu shia troighean o’n làr tha a chlach-chreadha ’tòiseachadh agus a leantuinn dh’ ionnsuidh a mhullaich. Tha ’m mullach air a chomhdach le leacan tana mar air cabhsair sràide. Tha na tùir uile mu dha fhichead troigh a dh’ àirde, agus tha ’m balla ri ghabhail thar a chéile mu fhichead troigh o làr gu mullach; tha e na’s isle na sin air na beanntan agus na’s àirde na sin anns na glinn. Tha araon am balla ’s na tùir na’s leithne gu h-iosal na tha iad gu h-àrd, agus tha geatachan air am fosgladh trompa dh’ ionnsuidh nam bailtean air gach taobh. Bha duine a chuunaic am balla o chionn còrr us leth cheud bliadhna ag radh ged rachadh na bha de chloich ann an taighean-còmhnuidh Bhreatuinn air fad a chruinneachadh còmhladh, (agus bha e ’meas gu robh muillean us ochd ceud mile dhiubh ann,) nach biodh gu leòr ann air son am balla so a thogail! Bha e ’g radh gu robh de chloich anns na tùir ’s anns na daighneachdan leotha fhéin na chuireadh suas baile bhiodh uiread ri Lunnuinn! Tha e air a mheas le feadhain eile gu bheil pailteas de stuth ann gus balla bhiodh sia troighean a dh’ àirde ’s ceithir troighean a thighead a chur ceithir thimchioll air an t-saoghal! Chuireadh am balla mor so suas leis na Sineich mu Air leantuinn air Taobh 7. Bas an t-Seoladair. Ged a b’ iad maraichean agus cabhlach Bhreatuinn a dhion an rioghachd ri linn cogadh mor na Frainge, agus ged a tha sinn ’n an eiseimeil air son a bhi ’giulan ar bathar-malairt do dhuthchan cein air feadh an t-saoghail, ’s a’ toirt moran d’ ar ionnsaidh chum ar beathachaidh ’s ar sgeadachaidh; gus o chionn ghoirid ’s beag a chaidh a dheanamh air son leas aimsireil no spioradail nam maraichean bochd. Tha, a nis, tighean mor air an cur suas anns na bailtean-puirt a dh-aon ghnothach air an son, far am faigh iad tuineachadh an uair a tha iad air tir, gun chunnart a bhi air an spuinneadh le creachadairean mar bu tric a thachair dhoibh roimhe. A thuilleadh air sin, tha àiteachan-aoraidh air an cur air leith dhoibh. Is e an t-àite aoraidh a gheobhar an cuid de chalaidhean, seann long air a deasachadh le lobhta agus suidheachain; agus seann seoladair cràbhaidh a comhnuidh innte ’s a’ cumail aoraidh moch a’s anmoch. Chuala mi an sgeul a leanas mu bhàs fir a bha fada an aon de na h-aiteachan-aoraidh so. An uair a bhuail galar a bhais e, thanaig cuid d’a sheann chompanaich g’a fhaicinn. Dh’ fheoraich iad ciod am beachd a bha aige a thaobh an turais-mhara air an robh e a reir coslais gu seoladh. Fhreagair e, an cainnt na mara, “Tha’m fearann an sealladh, tha ’m fearann an sealladh” (Land a-head, land a-head!) An ath uair a thanaig iad bha e na bu laige. Dh’fheoraich iad ciod an staid ’s an robh e. Fhreagair e, “A’ dol timchioll an rudha, a’ dol timchioll an rudha” (Rounding the poiut, rounding the point.) An uair a thaing iad a rithist bu ghann a b’ urrainn da an ceistean a fhreagairt; thubhairt e, “Gach ni gu maith, gach ni gu maith” (All is well, all is well.) An uair mu dheireadh a thainig iad g’ a fhaicinn bha e gun chainnt, ach cha do chaill e a phurp. Bu leisg leo ’fhagail gun sanas eigin fhaotainn a thaobh a mhisnich agus e cho dluth d’ chrich. An uair a bha iad gu ’fhagail chruinnich e am beagan neart a bha aige ’s thuirt e, mar bu ghnàth leo ’n uair a ruigeadh iad an cala miannaichte, “Leig sios an acair” (Let go the anchor,) a’s le sin thug e suas an deo. [TD 108] [Vol. 4. No. 14. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 12,1895. Fhuair sinn a’ cheud àireamh de phaipear ùr Albannach a thatar a’ cur a mach ann an Ottawa do’n ainm, “The Fiery Cross”. Tha e ’na phaipear gasda, air a lionadh le seanachas taitneach mu shluagh na h-Alba, an eachdraidh ’s an cleachdaidhean. Tha cùil bheag ann do’n Ghàilig cuideachd. Tha am paipear ri tighinn a mach uair ’sa mhios, agus ’se a phrìs dolair sa bhliadhna. Tha e air a chur a mach le Mr T. D. Mac Dhomhnuill, 1 Sparks St. Ottawa, Ont. Tha sinn an dochas gu’n soirbhich gu math leis. Tha baile-mor Inbhirnis a dol a thogail Càrn-chuimhne do Fhionghal Nic Domhnuill, (Flora Mac Donald.) Bha mile punnd Sasunnach (£1.000,) air fhàgail aig a bhaile air son an aobhair sin, le Caiptean Domhnullach a chaochail o chionn ghoirid, ’sa bha na oifigeach ann an té de na réiseamaidean Gàidhealach. Tha clann nan daoine dubha ann an Africa aig àm am breth ’nan dath cho geal ri clann eile, ach an ceann mios fasaidh iad buidhe; an ceann bliadhna bidh iad donn; an ceann ceithir bliadhna bidh iad lachdunn; agus aig aos sia no seachd a bhliadhnaichean, bidh iad cho dubh ’s gu faiceadh duine ’fhalas asda. Bha tuathanach ann an Ontario an la roimhe a’ spealladh arbhair le uidheam-spealaidh, agus ruith gille beag dh’an arbhar roimh ’n speal gun ’athair ’ga fhaicinn. Rug an speal air ’s chaidh an da chois a ghearradh dheth. Cha robh e beò ach ùine gle ghoirid. Tha ceannairc Chuba a dol air adhart, agus gach taobh ag obair cho math ’sa dh’ fhaodas iad air an lamh-an-uachdar fhaighinn air an taobh eile. ’Se “buaidh no bàs” a bhios ann taobh air thaobh. Rug na Spàinnich air reubalach o chionn ghoirid, agus dh’ òrduicheadh a sgiùrsadh le ceithir cheud buille ’s an sin a thilgeadh, agus chaidh an t-òrdugh bruideil sin a chur an gniomh. Cha ’n eil ach fior chorra àite dhe ’n chuan roimh ’m bheil uiread eagail aig na maraichean ’sa th’ aca roimh Sable Island. Tha Riaghladh Chanada an deigh cairt-iùil ullachadh a’ sealltuinn far an deachaidh còrr us ceud gu leth long a bhristeadh air an eilean sin o thoiseach na linne so; dheanadh sin gle fhaisg air da long ’sa bhliadhna. Cha ’n eil fhios co meud a chaidh a bhristeadh air roimh thoiseach na linne so; cha robh cùnntas sam bith air a chumail orra. Thoir an air’ air d’ Obair fhein. “’Nuair a bha mi ’nam ghille ’dol dh’ an sgoil,” arsa seann duine, “bha maighstir-sgoile againn aig an robh iomadh dòigh neonach air faighinn a mach cò bha toirt an aire air ’obair agus cò nach robh. Aon latha bha sid, thuirt e ruinn, ’Illean, feumaidh sibh an aire thoirt do ur leòbhraichean na’s fhearr na tha sibh a’ deanamh. A cheud fhear agaibh a chi fear eile diomhain, innseadh e dhòmhsa e, agus bheir mis’ air nach bi e diomhain na’s fhaide. ’Nis, arsa mise rium fhéin, ‘so mo cothrom. Sid Callum Sheòrais, gille nach toigh leam idir; mi mi faire gus an tog e a ’shùil bhar a leobhair agus innsidh mi air.’ Cha b’fhad agus am faca mi Callum a togail a chinn ’sa toirt-sùil taobh eile ’n taighe. Thog mi mo làmh, ’s dh’innis mi dh’an mhaighstir-sgoile nach robh Callum ag ionnsachadh a leasain. ‘Seadh,’ ars’ esan, ‘agus ciamar a fhuair thusa sin a mach?’ ‘Chunnaic mi e,’ arsa mise. ‘Seadh direach’, ars esan, ‘agus c’àite ’n robh do shùilean aig an àm; an ann air do leobhar mar a dh’iarr mis ort?’ Bha mi air mo bhrath gu dona agus cha do dh’fheuch mi riamh tuilleadh ri breth air gillean diomhain.” Ma tha sinn cho furachail ’s is còir dhuinn air ar giùlan fhéin cha bhi ùine sam bith againn ri chaitheamh ann a’ bhi faotainn coire do ghiùlan muinntir eile. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’n uai a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 109] [Vol. 4. No. 14. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Riaghladh Chanada an deigh Dior-daoin a chead la air fhichead de ’n ath mhios chur air leth air son Latha Taingealachd. Chaochail fear Alasdair Hollingsworth ann an Mill Village, N.S., am la roimhe an deigh dha aois ceud bliadhna ’sa dha a ruigheachd. Tha ’n t-side o chionn seachdain air fas glé ghreannach, fuar, agus tha fior choltas deireadh an fhoghair a tigh’n air gach ni. Cha’n fhada gus ann bi an geamhradh againn. Cha b’e Burton idir air an d’ rugadh ann an Oxford air an t-seachdain s’a chaidh, ach duin’ eile tha gle choltach ris. Cha ’n eil teagamh nach d’ fhuair Burton a chasan a thoirt leis dha na Stàitean. Tha mu lethcheud duine ag obair air deanamh aoil air Beinn-a-Mharmoir, an sionachd Inbhirnis. Tha iad a’ deanamh mu mhill barailte de dh’ aol ’sa mhios. Tha iad cuideachd a cur air falbh beagan marmoir. Tha muillearan Ontario an deigh pris an fhlùir a thogail. Tha iad ’ga reic a nise da fhichead sent na’s daoire na bha e roimhe so. Cha bhi ’m biadh air a gheamhradh s’a tighinn idir cho saor ’sa bha e air a’ gheamhradh s’a chaidh. Chaidh Micheil Mac Nèill ’sa bhaile so a ghoirteahcadh gu dona oidhche Di-sathairne’ s’a chaidh. Bha e ’na shineadh air an rathad iaruinn agus thainig carbad beag (trolley) air a mhuin, a deanamh droch ghearraidhean air mu’n cheann. Tha Port Morien glé fhad air ais air a bhliadhna so. Bha ’n obair glé ghann anns a mhèinn fad an t-samhraidh, agus cha ’n eil i dol dad na’s pailte air an fhoghar. Cha do dh’ obraich a mhèinn air an t-seachdain s’a chaidh ach latha gu leth, agus cha robh ’n t-seachdain so moran na b’ fhearr. B’ àbhaist do Phort Morien, no Cow Bay mar theirte ris roimhe so, a bhi gu tric air thoiseach air na méinnean eile ann an iomadach dòigh, ach tha e nis air deireadh orra, agns mur dean an ath bhliadhna na’s fhearr ris na rinn a bhliadhna so, theid e bhuaithe buileach. Chaidh fear Micheil Domhnullach a mhuinntir Ghlace Bay, a bhàthadh an so oidhche Di-ciaduin. Bha e ’sa bhaile a frithealadh na cùrtach, agus air feadh na h-oidhche chaidh e sios rathad nan laimhrigean, co-dhiu ’s e dhol air seacharan a rinn e no nach e, agus thuit e thairis dh’ an uisge. Chualas e ag glaodhaich air son cuideachaidh eadar deich us aon uair deug, agus chaidh daoine mach le bata dh’ fheuchainn ri thearnadh, ach bha ’n oidhche cho dorcha ’s nach d’ fhuair iad far an robh gus an robh e tuilleadh us anmoch. Fhuair iad a chorp ’san uisge faisg air laimhrig Ingraham. Bu sheann duin’ e, suas ri ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bidh a bhàs air dhòigh cho cianail na bhuille throm d’ a chàirdean. Fhuaireadh fear Gilleasbuig Delaney, a mhuinntir French River, E.P.I., air a bhàthadh Di-sathairne s’a chaidh. Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e tighinn ri bheatha rinn e. Bha e tinn o chionn ghoirid agus cha robh e ’na àite fhéin uaithe sin. Chaidh ian mor a mharbhadh ann an Newfoundland o chionn ghoirid, ’s cha’n fhacas gin dhe’n t-seòrsa air an eilean riamh roimhe. Air dhaibh fhosgladh fhuaireadh na bhroinn mullach cinn duine, agus an craicionn ’s am falt cho slàn ’sa bha iad riamh. Bha stoirm mhor ann oidhche Di-sathairne agus la na Sabaid s’a chaidh. Bha uisge trom leis an stoirm. B’ feudar do mhoran de na soithichean iasgaich fasgadh a ghabhail anns an acarsaid so; bha ’n stoirm tuilleadh us doirbh air an son a muigh. Cha chual a sinn gu’n d’ rinneadh call sam bith. Am measg ghibhtean luachmhor eile a fhuair an t-easbuig Mac Nèill aig àm a choisrigidh, fhuair e bachull agus crun easbuig bho a luchd-cinnidh air Christmas Island. Thatar ag ràdh gur h-e a cheud fhear de Chloinn Nèill a fhuair a bhi ’na easbuig riamh. B’ e a cheud fhear dhe’n ainm a fhuair a bhi ’na shagart bho linn an ath-leasachaidh. Tha tàillear ann an Lunnuinn an deigh fios a chur gu ceannaichean ann a Halifax air son pasg de chlòth na dùthcha so fhaotainn dha, air son deiseachan a dheanamh do dhaoin’-uaisle a bhaile mhòir sin. Tha deiseachan de chlòth dùthcha air fàs fas ’nam measg. Feumaidh e bhi air a dheanamh air beairt-fhighe chumanta; cha ghabhair aodach a chaidh a dheanamh ann am muillinn. Bha chùirt mhor na suidhe ’sa bhaile air an t-seachdain so. Bha àireamh mhor de chàsan air a beulaobh mar is àbhaist. ’S e ’m Breitheamh Ritchie a tha air a ceann air an turus so. Di-màirt chuir e càin, da dholair am fear, air àireamh dhe’n jury a dh’ fhuirich ’s an rùm ’s an robh iad ’nan suidhe air càs beagan mhionaidean an deigh do chàch tigh’n as, agus gheall e dhaibh an ath uair a dheanadh iad a leithid gu’n cuireadh e càin moran na bu mhò orra. Di-sathairne s’a chaidh, chaidh Aonghas Mac Amhlaidh, (mac Iain,) ann an Kennington Cove, a mach mu aon uair deug ’sa mhaduinn, an dùil sgriob a thoirt troimh ’n choille. Cha’n fhacas tuilleadh e gu feasgar Di-luain, ’nuair a fhuaireadh e mu dha cheud slat bho’n tigh, far an robh e fad na h-ùine bha e air chall, còrr us da latha. Thugadh dhachaidh e agus an ceann beagan ùine thainig e as an neul anns an robh e, agus thòisich e ri dhol am feobhas. Tha e ’g radh gu’n d’ fhairich e mar gu’m biodh tuainealaich a tigh’n air ’nuair a rainig e ’n t-àite ’san d’fhuair iad e, agus nach eil cuimhn’ rig air a chòrr. Bha e muigh fad na stoirme bha ann Di-dòmhnaich ’s Di-luain, agus bha ’n t-uisge air drùghadh air dh’ ionnsaidh a chraicinn mu’n d’fhuaireadh e. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, cha robh choltas air gu robh e dol a thoirt tinneas sam bith as. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 110] [Vol. 4. No. 14. p. 6] An Reul “Iupiter.” Tha oibre a’ chruthachaidh a’ foillseachadh gliocais an Tighearn Dé, eadhon do’n ìnntinn as mi-chùramaiche agus as neo-mhothuchaile! Nach mòr an gliocas a shuidhich a’ ghrìan aig astar co fad o’n talamh, is nach ’eil an tomhas soluis agus teas a ta sinn a’ faotuinn uaipe aon chuid tuilleadh ’s mòr, no tuilleadh ’s beag? Na’m biomaid na b’fhaisge do’n ghréin na tha sinn, bhiodh an talamh agus sinne air uachdar air ar crionadh le teas; agus nam biomaid na b’fhaide uaipe, dheanadh reodha agus fuachd ar milleadh gu tur. Ach air d’ on talamh a bhi aig astar freagarrach o’n ghréin, tha sinn a’ mealtuinn a feartan air sheòl iomchuidh agus taitneach; agus air da a bhi ’cur char deth air a mhul fein, tha gach rioghachd agus dùthaich air ’uachdar a’ mealtuinn teas agus soluis na gréine ’nan àm fein, gach là dhe’n bhliadhna. Tha solus agus dorchadas a’ teachd an déigh a’ chéile gu riaghailteach, agus tha iad air an aobhar sin chum leas agus comhfhuartachd gach dùil bheo. “Chuir Dia dealachadh eadar an solus agus an dorchadas,” agus mar sin, le gliocas neo-chriochnuichte, rinn e an là chum saoithreach agus oibre, agus an oidhche chum cadail agus foise. Tha ’n fhirinn chéuda air a foillseachadh le reultaibh neamhe gu léir, co math is leis an talamh; agus féudar a radh maille ri Daibhidh, “Gur uamhasach iongantach a dhealbhadh, cha’n e mhàin an duine, ach mar an céudna gach ni a ta air aghaidh na cruitheachd.” Bheir sinn iomradh a nis air Iupiter, an réult a’a mò agus a’s òirdheirce de na réultaibh uile; air di a bhi mìle uair ni’s mo n’an talamh, agus seachd agus ceithir fichead mìle de mhìltibh troipe. Tha Iupiter ceithir chiad agus sia thar fhichead muillean de mhìltibh o’n ghréin, agus tha e ’siubhal ’na chearcall cuig mìle fichead de mhìltibh anns an uair. Tha’n réult so a’ gabhail aon bhliadhna deug agus deich miosan chum aon chuairt a chur air a’ ghréin, agus air an aobhar sin tha bliadhna Iupiter ach beag co fada ri dha dheug de na bliadhnaibh againn-ne. Tha’n réult mhaiseach so a’ tionndadh air a mul fein ann an naoi uairibh agus sia deug agus da fhichead mionaid, air chor is gu ’m bheil an là aice ni’s lugha na leth an latha againn-ne, ged tha a bhliadhna a dha uiread deug co mòr ri ar bliadhna-ne. Tha ceithir gealaichean aig Iupiter, a ta ’ga chuairteachadh ceart mar a ta na réultan a’ cuairteachadh na gréine. Tha àm laidhe agus éiridh gach gealaich dhiubh so air fhaotuinn a mach air son gach là ’sa bhliadhna, a chionn le so gu’m bheil maraichean a’ deanamh mach an slighean air na cuantaibh mòra. Tha na gealaichean aig Iupiter agus Saturn, uime sin, anabarrach féumail duinne, a chionn gur ann leò sin a’s cinntiche a gheibh maraichean a mach a’ cheart àit air doimhneachdaibh na fairge anns am bi iad na air sheòl sam bi eile. Tha aghaidh Iupiteir air a còmdachadh le fàinnibh, no le criosaibh leathann agus fosgailte, agus tha teallsanaich a’ deanamh mach gur neoil iad a ta air an dòigh iongantach so a cuairteachadh na réilte so! Tha e cinnteach gur mòr am fuachd a ta ann an Iupiter, do brigh gu’m bheil e aig astar co fada air falbh o’n ghréin, is gu’m bi a gathan fann agus lag mu’n comas doibh ruigheachd air an réilt mhòir so; agus tha’n seòl air am bheil Iupiter air a shuidheachadh air a mhul fein, a’ toirt mu’n cuairt nach ’eil a beag a dh’ atharrachadh eadar a Shamhradh agus a Gheamhradh. Litir a Baddeck Mhor. Bha mi aig an t-Sàcramaid shios air a Chladach a Tuath air an t-seachdain s’a chaidh, a bha air a frithealadh le ministear na sgìre, an t-Urr. Iain Friseal. B’ iad an luchd-cuideachaidh a bh’ aige an t-Urr. Mr. Drummond o’n Eillean Mhor, agus bu mhath e, agus an t-Urr. Mr. Mac Leòid á Ceap Nòr, ’s cha b’e bu mhiosa. Bha amannan toilichte againn da-rireadh; bha searmoinean briagha, tomadach, againn ’san latha agus coinneamhan ùrnaigh ’san oidhche. Bha ’n Tighearna ’làthair. Cha’n iarradh tu ach a bhi ’g éisdeachd ri Mr. Drummond a’ labhairt mu Shamson agus na Philistich, agus mu’n chnaimh peircill; agus thuig mi air gu robh e diumbach de’n tri mile fear de Iudah a chaidh sios a cheangal Shamsoin, ach cha b’ fhada sheas an ceangal. Tha muinntir a Chladaich a Tuath, ’s na h-Aimhne Tuath, agus St. Ann’s airidh air cliu air son an cuid eaglaisean. Tha iad a’ leigeadh fhaicinn gu bheil meas aca air meadhonan nan gràs, agus bithidh a bhuil; tha beannachd ’nam bascaid ’s ’nan cuibhrionn. Bha mi eòlach air ministearan o chionn leth-cheud bliadhna, ’s cha do thachair moran de leithidean ministeir a Chladaich a Tuath rium fhathast, cho uasal ’s cho eireachdail ’na dhòigh. Gu’n dioladh an Tighearna a shaothair, agus a chaoimhneas, agus gu robh a dhuais iomlan o’n Tighearna, Dia Israel, fodh a sgiathaibh am bheil e cur a dhòchais. Is mise ur caraide, ’s ur fear-eòlais, DOMHNULL CAIMBEUL, (Eildear.) Baddeck Mhor, 16, 9, ’65. Seann Imrich. Thainig boirionnach gu New York an la roimhe, ban Eireannach, agus tha feadhain dhe’n bharail gur h-i urra ’s sine thainig riamh thairis air a Chuan Mhor. Tha i ceud bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Rugadh i ann an siorrachd Kerry, an Eirinn, agus cha do chairich i riamh á tir a dùchais gu so. Thainig i nall a dh’ fhuireach ’na seann aois còmhla ri nighean dhi, an duine ’s òige de ’cloinn, ’sa tha i-fhéin leth-cheud bliadhna ’sa sia. Cha ’n eil facal Beurla ’na ceann, ach ’s math a théid aice air i fhéin a chur an céill anns a Ghàilig Eirionnaich. Cha ’n eil i ach glé bheag, tha a falt air fàs glé gheal, agus tha a h-aodunn glé phreasach, ach tha a sùilean cho beothail ’s cho biorach ’sa bha iad riamh, ’s cha do chuir i feum air speuclair fhathast. Dh’ fheòraich cuid-eigin dhi carson a thainig i dh’ America, ’s thuirt i ris gu’n b’ann feuch am faigheadh i fear a bhiodh toileach a pòsadh! Tha cothrom aig an duine ghlic fhòghluimte nach eil moran a’ tuigsinn. Faodaidh e rudan glé ghòrach agus leanabail a’ dheanamh, agus cha’n fhaigh duine coire dha. Cha’n abair iad idir gur amadan e, ach gu bheil mor-fhoghlum ’ga chur air bhoil. “Dean tha féin leagte ris na nithean a chunnaic am freasdal iomchuidh a bhuileachadh ort, agus thoir gradh dhaibh-san leis am bheil thu a’ còmhnuidh. Na bi mi-thoilichte le do chrannchur ’san àm a ta lathair agus na bi gabhail eagail roimh ’n àm a ta ri teachd.” Tha piobaire anns a Ghàidhealtachd, fear Aonghas Mac Rath, an Callandair, an deigh tri fichead duais ’sa dha dheug a chosnadh le chuid piobaireachd air an t-samhradh so, a bharrachd air tri buinn-chuimhneachain òir. ’S fhiach na fhuair e air fad ceud ’s còig deug air fhichead de phuinnd Shasunnach, no mu shia ceud ’s tri fichead dolair de dh’ airgead na dùthcha so. [TD 111] [Vol. 4. No. 14. p. 7] (Air a leantuinn o Thaobh 3.) dha cheud bliadhna mu’n d’ rugadh ciosd, air son an naimhdean, an Tartarich, a chumail a mach; ach an deigh an saothair uile, fhuair na Tartartch a stigh agus thug iad fo chis iad. Gus an latha ’n diugh ’s iad na coigrich sin a tha riaghladh Shina, agus cha ’n eil bàigh sam bith aca ris an t-sluagh, ’s cha mho na sin a tha spéis sam bith aig an t-sluagh dhaibhsan. Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean uachdair bhan, deacaidean agus cleòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain. Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 112] [Vol. 4. No. 14. p. 8] ORAN AN T-SAIGHDEIR. LE ALASDAIR MAC IAIN BHAIN. Is cianail an rathad ’S mi gabhail a chuain; A triall ri droch shid’ Do na h-Innseachan Shuas; Na croinn oirnn a lùbadh, ’S na siuil gan toirt uainn, ’S an long air a leth-taobh A gleachd ris na stuaidh. Diciadain a dh’ fhalbh sinn, ’S bu ghailbheach an uair; Cha b’ fhada ’s an danig Oirnn annradh ’bha cruaidh. Gun d’ chriochanich pairt dhinn Fo bharcadh nan stuadh; ’S tha fios aig Creag-saile Mar thearuinn sinn uap’. Seachd seachduinean dubilt De dh-uine gle chruaidh, Bha sinn fo throm churam, Gun duil ri bhith buan; ’Sior thaomadh a bhùirn A reir cunntas nan uair; ’S cha b’ luaith’ dol an diosg i Na lionadh i ’suas. Tha onfhadh na tide ’Toirt ciosnachaidh mhoir Air a mhariche dhileas Nach diobair an seol. Tha ’n long an cruaidh chàs ’S muir a rànaich mu sron; ’S i ’n cunnart a muchadh Ma dhùineas an ceo. Tha ’luchd a toirt diosgain Gu dian air a bord, ’S neart soirbheas o’n iar A toirt sniomh’ air a seol. Tha garbh-thonnan eitidh Ag eiridh na còir; ’S le buathadh an t-seididh ’S tric eiginn tigh’nn oirnn. Tha gaoth is clach-mheallain A leanachd ar cùrs’, ’S tha smùid do na speuran Ag eiridh gu dluth. Cha tric solus grein’ ann Thoirt leirsinn dha ’r suil Mu ’n rathad san stiuir sinn Thar dluth thuinn a chuain. Stiuir thairis i, Ard-Righ, Ma tha sin ad rùn, Cùm direach gach la i, ’Reir aird na cairt iuil.— Ma ruigeas sinn sàbhailt’ An t-àit ’tha ’n ar duil, Gun ol sinn deoch-slainte Na dh’ fhàg sinn air chùl. B’ i sin an deoch-slainte Nach aicheadh mi uair, Ged dh’ fheumainn a paigheadh A bharr air a luach. Bidh ruma math laidir Ga shar chur mu ’n cuairt, Mar chuimhn’ air na cairdean Tha tamh san taobh-tuath. Ach fhir ’theid a dh-Albainn Tha m’ earbsa ro mhor, Gun taghail thu ’n rathad ’Thoirt naidheachd na ’s beo. Thoirt soridh le durachd Do dhuthich Iain Oig, On dh’ fhàgas tu Rùsgich Gu Lunndaidh nam bò. ORAN A rinneadh le Calum Mac Iain ’ic Phàdruig, anns na Hearreadh agus a chuir e dh’ ionnsuidh caraide dha a tha fuireach a nis ann a Framboise, an Ceap Breatuinn. ’S ann air an fhoghar so fhéin a rinnedh an t-òran. Mo bheannachd ort a Thormaid, Nach d’ dhearmaid riamh do charaide; Cha d’ rinn thu dichuimhn’ ormsa, ’S am dhearbh thu nis am barrachd dhomh, ’Nuair chuir thu nall air fairge, Mar chuimhneachan neo-chearbach, A phiob nach eil ach ainmig Aig fear mo chrannchuir samhuil dhith. Thuirt Donnachadh Ban nan òran Gu h-òrdail, agus b’aithne dha, “Tha ’m fortan a cur òirnne Gach aon ni còir a ghealladh dhuinn;” Sin mar dh’ éirich dhòmhsa ’Nuair fhuair mi phiob nam’ phòcaid, Tha farmad aig gu leòir ruim Nach faigh nis mò na sealladh dhith. A phiob a chi na ceudan Nach cuir nam beul ri’ maireann i; ’S gur measail agam féin i ’S gun bhreug cha ’n eil sin annasoch. Ach gheibh iad ceò dhe’n té’ile, Nuair chruinnicheas iad a chéilidh; Bidh an té ur cho gléidhteach: Ach ’s math aig féill ’s aig banais i. Tha cuid de ghillean óga Ro chòir an duigh ’sa bhail’ againn, ’S cha chuirinn da ma dheòin i ’Nam phòcaid làmh ri fear aca; Gum blaiseadh iad air ceò dhi, Ged bu chnap de’n òr i, ’S iad fein na fir nach sòradh, ’Sa bheireadh dhòmhsa deannail dhi. Na ’n innsinn air an ainm iad, An aithnicheadh tu gach fear aca? Bha cuid dhiu bha na ’m balachain ’Nuair dh’ fhalbh thu as a bhaile so. Gillean tapaidh, calma, ’Ni feum air tir ’s air fairge, Tha gu leòir ’s an arm dhiu Ma tharruingear iad gu gearastan. Ach fir anns nach eil uasile, Cum uam iad seach nach faigh iad i; Cha ’n iad na daoine suarach A gheibh cuairt no tarruing dhi. Lasaidh mi ri ’n cluais i, Ga ’m piobrachadh ’s ’gam buaireadh, Is bidh mi fein cho uailleil An uair sin ’s ged b’ fhear-baile mi. (Ri leantuinn.) Is buidheach leis an fheannaig a h-isean gorm garrach fhéin. Is beo duine air bheagan, ach cha bheo e gun dad idir. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. [TD 113] [Vol. 4. No. 15. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 19, 1895. No. 15. NADAR A’ GHAIDHEIL. A dh’aindeoin cho fiadhaich ’s cho gruamach ’sa bha a mhor chuid de ’n dùthaich anns an d’fhuair an Gàidheal Albannach a bhreth us àrach, cha do dh’fhag sin e idir gruamach no gearanach ’na nàdar. An àite bhi mar sin, ’sann a tha e am bitheantas glé riaraichte le ’chrannchur, agus a’ cur seachad a shaoghail gu sùnndach. Eadhon ’na sheann aois, ’nuair a tha bàs agus breathanas ’ga amharc ’san aghaidh, cha’n eil mar as trice eagal no sgàth air, oir tha làn earbsa aige as na geallaidhnean prìseil a tha’n fhirinn a toirt da. Faodar so a dhearbhadh le aon sam bith a ghabhas beachd air na seann Ghàidheil anns an dùthaich so fhéin. Tha an Gàidheal gu nàdarra a’ toirt làn chreideas do’n t-sean-fhacal, “An ni a tha ’n dàn, tachraidh e.” Tha e a creidsinn ma theid gnothuch sam bith na aghaidh an deigh dha ’uile dhichìoll a dheanamh air a thoirt gu crich, gur ann chum math dha fhein a tha e, agus tha e uine sin air ball a’ cur cul ris gach cànnran us tolach a bhiodh nan trioblaid dha uine mhor mur biodh o dhe’n cheart inntinn dhe’m bheil e. Tha an Gàidheal mar an ceudna glé leisg air a bhi ’g innse mu dheobhain fhein no mu chrannchur do dh’fheadhain eile. Ma thachair ni sam bith a rinn trioblaid a chur air fhein no air a theaghlach, faodar a bhi cinnteach ma tha fhios aig an t-saoghal air nach esan na gin dhe ’theaghlach a dh’innis e, ach gu’n d’thainig e ’m follais a nh’-aindeoin orra. Tha so air a nochdadh gu soilleir anns an sgeul a leanas mu ni a thachair o chionn fhada ann am Baile-Mhàrtninn, an siorrach Ghlinn-Garraidh, ann an Ontario. Bha anns an àm sin, dithis bhràithrean Cloinn-an-Toisich a’ cumail stòir ann am Bàile-Mhàrtuinn. Cha robh e ’n uair sin air a mheas na ni cronail no mi-mheasail deoch de stuth na Tòiseachd no de deoch-làidir sam bith eile a ghabhail ’sa rithist, agus am measg gach bathair eile ’bha na ceannaichean so a creic, bha Jamaica Rum. Aon fheasgar, bha an stuth priseil sin air teirgsinn, agus bha dòrlach de mhuinntir na dùthcha mu’n cuairt anns an stor a feitheamh gu pàiteach gus an tigeadh togsaid mhor ris an robh dùil aig Clann-an-Tòisich a h-uile mionaid. Bha’n togsaid a tighinn á Lancaster, baile beag mu dha mhile dheug air falbh air bruaich Amhuinn St. Lawrence. Bha i tigh’n dha’n bhaile sin air bàta á Montreal. Bha mu shia fichead galan anns an togsaid, agus ’nuair a thainig i, cha ghabhadh i cur a stigh dha’n stòr; bha’n dorus tuilleadh us beag. Cha d’ rinneadh mar sin ach a cur ’na seasamh a muigh agus an ceann a thoirt aisde. Chaidh iadsan a bha feitheamh sir son an ruma a’ riarachadh, agus an sin chuireadh a dha no tri de bhùird fhuasgailte air a beul, agus dh’fhàgadh an sin i fad na h-oidhche. Beagan roimh bheul an latha, thainig tarbh mòr a bhuineadh do fhear dhe na tuathanaich faisg air làimh, an rathad; dh’ fhairich e fàileadh an ruma, agus ghabh e dh’ionnsuidh na togsaid. Thilg e na bùird dhith, dh’òl e a leòr aisde, agus thug e taobh eil’ air. Cha robh e fad air falbh co-dhiu ’nuair a dh’aithnich e air fhéin gu’n do ghabh e tuilleadh s’a chòir, agus mar a dheanadh beothach sam bith eile, air dha e fhéin fhaireachadh gu tinn, chuir e aghaidh air a dhachaidh: agus mu’n t-soilleireachadh, fhuair a mhaighstir e na shineadh aig an t-sabhal, agus e a reir gach coltais cho marbh ri sgadan. Bha an duine bochd air a dhorranachadh; bu chall mor so a thainig air; ach smaoinich e nach leigeadh e le gin de ’choimhearsnaich fhaotainn a mach gu’n d’thainig call sam bith air, agus ’s ann a chuir e roimhe gu’m biodh an tarbh aig air fheannadh ’s air a thiodhlacadh anns an t-suampa mu’n éireadh gin dhiubh. Cha do smaoinich e idir nach robh am beothach marbh. Fhuair e caraide dha fhéin gus a chuideachadh. Chaidh an obair air adhart gu h-ealamh, agus bha iad faisg air a bhi leathach nuair a thug an tarbh bochd leum air a chasan a’ raoiceil leis a chràdh. Ma bha beothach riamh as a cheann bha esan. Theich na daoine le’m beatha; ach fhuair iad musgaid, agus chuir iad am beothach truagh as a phian le peilear. Cha robh fhios aig a mhaighstir de thainig ris gus an cnal’ e gu ’n deachaidh roinn dhe na bha ’san togsaid a ghoid air feadh na h-oidhche, agus an sin thuig e nach robh dad air ach an daorach, agus gu’m faodadh e bhi cho math ’sa bha e riamh mur biodh e fhéin a bhi ’na leithid de chabhaig air son a chuis a chumail an cleith air na coimhearsnaich. Tha an sgeul so cho firineach ’sa dh’ innseadh riamh. Chaidh a h-aithris uair us uair aig coinneamhan stuaimeachd anns a charna so de dh’ Ontario, agus ’s iomadh ballach aig am bheil deagh chuimhne oirre, aig nach eil ma dh’ fhaoite cuimhne air facal eile dhe na chual’ e air a labhairt air taobh stuaimeachd. D. B. Biodh e reamhar no caol, ’s meirg nach beathaicheadh laogh dha fhéin. Shil meall mor sneachda ann an Alba air an treas latha dhe’n mhios so. Air Beinn Nimheis, bha an sneachda ochd òirlich a dhoimhnead. Tha àireamh mhòr de chòtaichean-uachdair aig D. J. Domhnullach, air fhaighinn a stigh. Tha iad na’s saoire ’s na’s fhearr na gin a bha aige riamh roimhe. Tha sia ceud us ceithir fichead duine ag obair anns an obair chruadhach ann an New Glasgow. Air a mhios s’a chaidh bha ceithir mile fichead dolair air a phaigheadh a mach ann an tuarasdail. [TD 114] [Vol. 4. No. 15. p. 2] NA SEAN FHACAIL. (An Gaidheal, 1875.) Bithidh mi air uairean a’ smuaineachadh, an uair a bha ’n Saoghal na b’ oige na tha e nis, an uair nach robh iarrtasan an duine cho lionmhor ’sa tha iad air fàs, ’s an uair nach robh an sluagh a’ stri cho dian ’s a tha iad a nis ris na sean iarrtasan a shasuchadh agus ri iarrtasan ura a ghineamhuinn, gu’n robh an Cinne-daonna a’ mealtuinn toilinntinnean luachmhor air nach ’eil sinne ag amas, no mar bu choir a radh, ris nach ’eil sinn a’ fuireach. Gun teagamh, is mor agus is lionmhor na sochairean a bhuilicheadh oirnne a tha beo anns na linnibh deireannach so, air nach cuala ar n-aithrichean iomradh. Is luachmhor an dileab a dh’ fhag na ginealaich a chaidh thairis againne a thainig ’n an deigh. B’ fhialaidh a thaom ar n-aithrichean fallus an gruaidhe, agus gu tric fuil an cridhe a chum na beannachdan nach do mheal iad fein a bhuannachd d’ an cloinn. Tha na sochairean a choisinn misneach agus cruaidh-chas, eòlas agus seirc ar sinnsearan dhuinne do-aireamh; agus bhiodh e eu-comasach a chur an ceill gach doigh air am bheil an Saoghal air a chur fo chis a chum sonas an duine a mheudachadh. Tha so a’ cur dleasdanais chudthromaich oirnne gu’n aisig sinn ’n an lan-thoirbheartas d’ar cloinn na tiodhlacan luachmhor a tha sinn fein a’ mealtuinn. Ach an uair a tha so uile fior, cha’n ’eil mi gun amhurus nach robh luchd-àiteachaidh an t-sean shaoghail, am measg iomadh anacothroim, a’ mealtuinn cuid de fhior shonas ann an doighean air nach ’eil sinne ruigheachd a nis. Cha ’n ann uile gu leir gun aobhar, tha mi meas, a bhitheas na Baird a’ treorachadh ar n-aire gu sonas na ‘tim a bh’ ann o shean.’ A dh-aon ni, cha toir a bhi ’beachdachadh ‘air an domhan ’s na bheil ann’ co-ionann toilinntinn do’n duine a nis, ’s a bheireadh e anns na ‘linntibh a threig.’ Dhuisgeadh an cruinne-ce faireachdainnean ann an inntinn an duine o shean nach eil comasach an diugh. Co-dhiu a chitheadh e ’chruitheachd ’s na laghannan a tha ’riaghladh innte mar bhalla iaruinn mu’n cuairt da ach an taobh muigh dheth, agus e fein mar mholl air a luasgadh leis gach oiteig,—gun fhios aige cia as no c’ aite a bha ’thus no ’thriall: co-dhiu bha e ’g a fhaicinn fein mar chuid de’n chruitheachd mhoir, a’ tarruing beatha uaipe ’s a ’tiomnadh a bheatha dh’i—le cheile a’ coimhlionadh an Dain ged bha an Dan am folach air; no cò-dhiu a bha inntinn air a treorachadh gu bhi saoilsinn gu’n robh e ’faicinn ann an obair a’ chruthachaidh dearbhadh air lathaireachd Bith uileghlic agus uile-chumhachdaich ’n a shuidhe air Righ-chaithir na Cruinne, aig am bheil an Saoghal ’n a ghlaic ’s a tha ’g orduchadh gach ni a reir a’ ruin: bha ’n Cruinne-ce an comhnuidh ’n a aobhar-ioghnaidh, ’n a aobh-ar-uamhuinn, agus ’n a aophar ardthoillinntinn do anam an duine o sheau, air dhoigh nach bi e gu brath tuillidh dhuinne. Gheibh sinn dearbhadh follaiseach air so ann an saothair nan sean Bhard. Gun a bhi ’dol seachad air priomh-Bhard ar duthcha fein,—c’ aite am faigh sinn Bardachd ’s a’ Ghaidhlig a th’ air a lionadh le Morachd ’s le Maise a’ Chruthachaidh mar a tha ’Bhardachd a th’ air a h-ainmeachadh air Oisean. Agus co-ionann tha Bardachd nan Iudhach, nan Greugach, ’s nan Romanach. Tha cumhachdan an t-saoghail fhaicsinnich agus neo-fhaicsinnich an da chuid ’g am brosnuchadh agus ’g an claoidh. ’S ann uapa a tha am beatha spioradail a’ teachd ach tha ’bheatha ro neartmhor air an son; agus chi sinn iad ’g an sleuchdadh fein sios an lathair nan cumhachdan so. Tha gun teagamh an aineolas a’ cuideachadh an t-sasuchaidh anma tha iad a’ mealtuinn. Tha Diomhaireachd a’ chruthachaidh cho math r’a Mhorachd ’gan lionadh, s’ a’ dusgadh a suas an Spioraid gu h-urram agus gu h-umhlachd. Ach tarruing a thaobh am brat a tha ’comhdach na diomhaireachd, thoir lochran an Eolais a steach do’n ionad naomha so, agus ruaigidh tu tuillidh a’s Aineolas—ruaigidh tu Spiorad na h-irisleachd, na h-umhlachd agus moran de Spiorad an fhior ghliocais. Cha ’n ann le anam lionta le h-urram agus le h-eagal a sheallas Feallsanach an la diugh mu’n cuairt da, no os a chionn. Cha’n ann le bhrogan bharr a chos, na le bhoineid ’na dhorn a sheasas esan aig dorus an tighe so “nach do thogadh le lamhaibh.” Cha’n ann;—ach sgeadaichte, uidheamaichte, tha e ’g eigheach an dorus fhosgladh a chum ’s gu’n rannsaich e’n tigh,—gach cùil a’s oisinn deth. Bha’n t-eolas so “ro-iongantach” le Daibhidh agus cho ard ’s nach ruigeadh e air; ach cha’n ’eil a’ chuis mar so dhasan air an do thaomadh gu pailt solus an Eolais agus a’ Ghliocais ’n ar latha-ne. Cha’n ’eil gun teagamh, fios aige co leag Clach-oisinn an talmhainn; ach dearbhaidh e dhuit nach ’eil Clach-oisinn idir ann. Chuir e ’shnathainn-tomhais, cha’n ann smhain thar an talamh ach thar an iarmailt mar an cendna. Chaidh e steach gu tobraichibh na fairge; chunnaic e ionmhasan an t-sneachda. Dh’fhosgail e mionach an talmhainn; rannsaich e doimhneachd a’chuain; lean e slighe an dealanaich; cheasnaich e ’ghrian. Thug e air oibre Naduir gu leir an ionmhasan a thoirt am follais, ’s am fagail aig a’ chosan, a chum a bhi ’frithealadh do chomhfhurtachd an duine. Is mor agus is urramach an dearbhadh so air cumhachd buaidhean an duine an uair a tha iad air an deagh chleachdadh; agus is luachmhor a’chreach a thug iad dhachaidh dha à tir an Aineolais. Ach an lorg so, chaill sinn, saoilidh mi, faireachdainnean a bheireadh toilinntinn a’s solas do’n anam. Ma dh’ fhairich esan a dhearbh gur iarann a’ ghrian an t-ardachadh inntinn a tha dilgheach dhasan a bheir buaidh a mach, nach eigin gu’n do mhothaich e mar an ceudna nach ionann faireachdainn a dhuisgeas “ard-locharan na speur” an cridhe an t-sluaigh gu brath tuillidh, an uair a chithear i “mar fhear-nuadh-posda a’ teachd a mach á ’sheomar.” Anns na h-inntinnean is airde, cha ’n ’eil gun teagamh Spiorad an urraim no na h-irisleachd air a lughdachadh ach air a mheudachadh mar a tha eolas a’ dol am farsuingeachd. Tha e eu-comasach dhasan, anns nach eil Spiorad an Aoraidh marbh, a tha ’beachdachadh air gloir na h-iarmailt, ’s a tha ’creidsinn gu bheil gach reul a’s rionnag a chi an t-suil, agus na miltean do aireamh nach faic, ’n an Grein a’ soillseachadh Saoghail gun chrich ann am farsuingeachd na Cruitheachd, gun a bhi ’g altrum beachdan na ’s airde agus na ’s soluimte mu thimchioll a’ Chruinne-che agus an Ti a chruthaich e. Cha ’n fhaic a’ leithid so de fhear anns gach fearann a theid a cheannsachadh ach crioch na tire neo-chriochnaich air nach do chuir duine fhathast a chas. Ach cha ’n ann mar so a chi an Saoghal. “Millidh danadas modh;” agus faodar a’ radh mu mhoran gu’n lughdaich Eolas urram. Ach a ris, dh’ atharraich ar n-eolas, agus na h-innleachd- [TD 115] [Vol. 4. No. 15. p. 3] an a fhuair eolas a mach, gu tur ar beachd mu thimchioll Morachd agus Greadhnachas an talmhainn. Cha’n ionann beachd dhuinne agus d’ ar n-aithrichean air Astar, no eadhon air Tim. Thug innleachdan taobh eile an t-saoghail na’s dluithe dhuinne na bha ’n ath sgireachd d’ ar n-aithrichean. Siubhlaidh tu troimh ’n tir leth-cheud mile ’s an uair. Bithidh tu an Albainn an diugh agus anns an Fhraing am maireach. Gheibh thu litir á America na’s luaithe agus na’s saoire na gheibheadh do sheanair á Glaschu i. Gheibh thu fios air ais á Australia na’s luaithe na gheibheadh d’athair as an ath bhaile. Cha’n eil e duilich dhuitse snathainn-tomhais a shineadh air an talamh,—nach ’eil cearcaill de shnathainnean iaruinn thairis a’s thairis air, a’ giulan le luathas an dealanaich teachdaireachd o dhuine gu duine, o bhaile gu baile, ’s o rioghachd gu rioghachd; ’s nach ’eil so a’ tabhairt aobhair-dochais do mhoran gur goirid an uine gus am bi luchd-aiteachaidh au t-saoghail ’n am braithrean mar tha iad cheana ’n an coimhearsnaich; gus “am buail iad an claidhean gu coltairean, ’s an sleaghan gu corranaibh-sgathaidh ’s nach foghlum iad cogadh na’s mo.” Ach tha so uile ag ardachadh ar meas air cumhachd an duine agus as islaichadh greadhnachas an talmhainn ’n ar suilean. Cha ’n ’eil eagal, saoilidh mi, gun dean an duine aoradh do fhiodh no do chloich gu brath tuilleadh; tha mor eagal gun dean e aoradh dha fein. Ach cha ’n e mhain gu bheil sinn air call faireachdainnean a bheireadh fior sholas do’n anam an lorg an eolais agus nan innleachdan a fhuaradh a mach; tha sinn a’ call moran de fhior shonas leis a’ chabhaig leis am bheil sinn a’ siubhal roimh ’n t-saoghal. Cha ’n ann le foighidinn a tha sinne ’ruith réis na beatha. Cha ’n ann a mhain ’n ar n-obair lathail a tha an dian stri so ri bhi air thoiseach air ar coimhearsnaich. Cha leoir gu bheir ciocras do-shasuichte air a ghintinn ’n ar cridheachan ail son a bhi ’deanamh storais, agus sinn fein a chuairteachadh leis gach comhfhurtachd a bhuannaichdeas storas dhuinn. Eadhon ’n ar dachaidhean, ’n ar uaigneas cha ghabh sinn socair. Cha’n fheith sinn ri bhi sona. Tha sinn a’ feuchainn ri sonas fhaotainn ann a bhi ’n comhnuidh air ghluasad, ag atharrachadh o aite gu h-aite ’s o thoilinntinn gu toillinntinn; agus tha mi ’meas gu bheil sinn a’ deanamh cli. Gun teagamh cha bhi aon chuid an inntinn no ’n corp fallain gun ghluasad, no laidir gun obair; ach feudar ah inntinn a sharuchadh cho math ris a’ chorp, agus ’s e mo bheachd gu bheilear ’n ar latha-ne anns a’ mhor chuid de’n t-saoghal a’ ruigheachd na h-inntinn ’s a’ chuirp tuilidh ’s a’ choir. A reir barail mhorain cha ’n ’eil sinn cho treun r’ar n-aithrichean an corp no ’n inntinn. Cha ’n ’eil iongantas ged nach ’eil. Cha lean an Sgoilear na’s mo na ’n Sionnach air sior ruith. Ach eadar co dhiu tha no nach ’eil sinn a’ saruchadh na h-inntinn le obair ghoirt, tha sinn, gun amhurus, ’g a milleadh le bhi ’sior chur innte. Cha ’n ’eil, gun teagamh, so cho fior an Gaidhealtachd na h-Alba, no am measg an t-sluaigh nach labhair ach Gaidhlig, ’s a tha e anns a’ chuid eile de’n rioghachd; ach ’s ann a’ dol na’s firinniche ’tha e gach latha. Ged nach leir do’n t-suil an gad a tha ’ceangal na h-inntinn ’s a’ chuirp, tha fios againn gu bheil an ceangal dlu; agus ceart mar a tha slainte ’s neart a’ chuirp air am milleadh ma dhinneas tu de bhiadh ann barrachd na’s urrainn da ’chnamh tha buaidhean na h-inntinn air an lagachadh ma bheir thu m’a coinneamh barrachd na ’surrainn dh’i ’chnuasachadh. Gabhaidh goile na h-inntinn cho math ri goile ’chuirp milleadh le ’bhi sior chur ann. Bheir geocaireachd cho math ri ocras do bhas; tha gais cho cunnartach ri gort. Mu ’d lòn spioradail cho math ri mu ’d aran lathail tha ’n radh fior: “Is fearr sgur na sgaineadh.” Ann an oige an t-saoghail, ma ta, an uair a bha an inntinn a’ gleidheadh ceum ris a’ chorp, ’s a bha iad le cheile a’ siubhal roimh ’n t-saoghal air an socair; an uair a bha ’n t-suil a’ fuireach ri faicinn, ’s an inntinn ri breithneachadh; an uair a bha daoine a’ sealltuinn na b’ athaisiche na tha iad a nis mu’n cuairt doibh ’s an taobh stigh dhiu; an uair nach robh biadh cho blasda, tighean cho blath, eudach cho riomhach, eolas cho farsuing no leabraichean cho pailt;—bha, tha mi’ meas, daoine a’ mealtuinn anns a’ bheagan thoilinntinnean a bh’ aca sonas cho fior agus, ma dh’fhaodte, cho làn ’s a tha sinne leis na cothroman do-aireamh a th’ againn fein. Anns na linntean so bha moran de theagasg an t-sluaigh air a thoirt seachad an Sean-fhocail no ’n Gnath-fhocail. Bha ’chleachduin coitchionn am measg gach cinneach air am bheil eachdraidh againn. Tha gach aon againn eolach air Gnath-fhocail Sholaimh. Am measg nan Greugach ’s nan Romanach bha moran de ’n eolas agus moran de’n creidimh air aiseag o ghinealach gu ginealach air an doigh so. Agus am measg nan rioghachdan Eorpach eile bha ’chleachduin cheudna. Ach tha mi ’creidsinn nach robh sluagh air am bheil iomradh againn am measg an robh ’s am bheil uiread cumhachd aig Sean-fhocail ri Gaidheil na h-Alba, anns gach aite an robh no am bheil iad. Tha fios againn gu’u robh a’ mhor chuid de fhoghlum nan Druidhean—ar luchd-teagaisg o shean—air a thoirt seachad an Sean-fhocail a bha gu tric air an cur an rann a chum a’ mheodhair a chuideachadh gu bhi ’g an gleidheadh air chuimhne; agus gus an la diugh chithear gu minic ’n ar glinn ’s ’n ar n-eileanan an oidhche gheamhraidh air a’ cur seachad ri taobh an teine le rann, sgeul, toimhseachan, a’s Sean-fhocal. Gu ma buan gach cleachduin o’m faigh an oigridh tuisge ’s toillinntinn o bheul an aosda! Is ann, mar bu trice, leis na daoine a bu ghlice ’s a bu gheire a chaidh na Sean-fhocail a chur ri cheile; agus am measg nan daoine a b’ fhoghluimte anns gach linn ’s anns gach aite bha iad air an altrum le mor-urram. Air Gnath-fhocail Sholaimh—an duine a bu ghlice a chunnaic an saoghal riamh—rinnsinn a cheana iomradh. Rinn an Greugach a b’ ainmeile ’na rioghachd fein air son eolais ’us gliocais cruinueachadh de Shean-fhocail a dhuthcha. Tha dearbhadh againn ann an Bardachd an Ughdair is airde cliu a sheinn ’s a’ Bheurla air a’ mheas a bh’ aige-san air Sean-fhocail Shasuinn; agus rinn agriobhadairean ainmeil uair a’s uair cruinneachaidh dhiu so. Ann an saothair nam Bard Gaidhealach chi sinn an cumhachd a bh’ aig Sean-fhocail thairis air na h-inntinnean a b’ urramaiche d’ ar cinneadh fein. Rinneadh cruinneachadh de na Sean-fhocail Ghaidhealach o chionn moran bhliadhnachan le deagh sgoileir—Mac-an-Toisich—ach cha ’n ’eil an leabhar a nis ach tearc. Chuala sinn le mor-aoìbhneas gu ’n d’ rinn an Gaidheal foghluimte—an Siorramh Mac-Neacail clo-bhualaidh uir de ’n leabhar luachmhor so. Cha bhi e neo-fhreagarrach, ma ta, saoilidh mi, a bhi feoraich, mu dhoigh chainnt a bha ’s a tha cho cumhachdach ’s cho coitchionn am measg dhaoine, ’s gu h-araid am measg Ghaidheal—ciod iad—ciod e an luach—agus ciod e an cunnart mar ghne-theagaisg? (Ri leantuinn.) [TD 116] [Vol. 4. No. 15. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 19, 1895. Bha muinntir New Brunswick a’ taghadh pàrlamaid ùr Di-ciaduin s’a chaidh, agus bha a phairtidh a bha stigh roimhe air an cur a stigh air ais a cheart cho làidir no na’s làidire na bha iad roimhe. Chaidh còrr us muillein air fhichead (21.000.000) tunna guail a chur a mach à méinnean Alba air a bhliadhna s’a chaidh, agus bha sin ceithir muillein tunna na bu lugha na chaidh a chur a mach air a bhliadhna roimhe sin. Bi treis mhath mu’n tig mèinnean Cheap Breatunn suas ri sin. Tha teinntean a’ deanamh call mòr ann an ceann a deas Mhanitoba. Thoisich àireamh dhiubh aig an aon àm agus sgaoil iad air feadh na dùthcha glé luath. Cha’n eil fhios ro mhath air meud a challa, oir tha’n telegraph ’na shineadh, ach cha’n urrainn nach eil call mor air a dheanamh. Cho fad sa chuala sinn bha ceathrar dhaoine air an losgadh gu bàs. Tha Iapan an deigh còir fhaotainn air Formosa, agus tha i nis an deigh gach ceannairc a rinneadh na h-aghaidh anns an eilean sin a chur sios. Ach cha ’n eil i ach gle an-fhoiseil a dh’aindeoin na fhuair i dhe dòigh fhéin. Tha Ruisia a’ cur dragh oirre, ’s cha’n eil Sina ach a feitheamh gus am faigh i cothrom air tòrachd a chogaidh a thoirt a mach. Tha Iapan a nise tuigsinn ged a fhuair i smachd air Sina, gu bheil a cheart cho dona ri Sina faisg oirre, agus nach d’thainig crioch air a trioblaidean fhathast. Tha’n t-Urr. A. MacGilleain Sinclair an ùine ghoirid a’ dol a chur a mach leobhar ùr, Orain Iain Luim. Cha robh orain a bhàird ainmeil so air an cur an clò gu h-iomlan riamh roimhe, agus tha fhios againn gu’n bi moran toileach an leobhar fhaotainn. Co luath sa bhios e mach, bheir sinn fios na’s fhearr do air luchd leughaidh mu dheobhainn. Tha fathunn air tighinn a Manitoba gu bheil na tuathanaich an deigh an cinn a chur cuideachd air son pris a chruinneachd a thogail. Bha na ceannaichean roimhe so, air son buannachd dhaibh fhéin, ann an co-bhonn air son a phris a chumail iseal, cho iseal ’s nach robh e ’pàigheadh nan tuathanach a toirt gu margadh. Tha na tuathanaich a nise ’dol ’ga chumail aca fhéin gus am feum na ceannaichean pris na’s àirde thoirt air. Ni sin am flùr na’s daoire na tha e aig an àm so. Breacan Bhlackie. Rinn figheadair Albannach tartan ùr o chionn ghoirid, agus bha e ’dol a thoirt ainm Bhlackie air, mar chuimhneachan air na rinn an dnin’-uasal foghluimte sin air son luchd nam breacan ’nuair a bha e beò. Chuala Màiri Nic-a-Phearsain (“Màiri nighean Iain Bhàin”,) a’ bhana-bhàrd Sgiathanach, so, agus chuir i fios ’ga ionnsuidh ag innseadh dha gu robh tartan air a dheanamh cheana a bh’ air ainmeachadh air Blackie. Dheilbh agus dh’ fhigh i-fhéin am tartan sin àireamh bhliadhnaichean air ais, agus thug Lachuinn Domhnullach, fear Scèabost, breacan dheth do Bhlackie fhéin aig cruinneachadh mòr Gàidhealach a bh’ ann an Glascho. Chosg an t-oillear breacan dhe’n tartan sin riamh gus ’n do chaochail e, agus ’nuair a bhatar ’ga thiodhlacadh, bha ’m breacan air a sgaoileadh air uachdar na cist’ aige. Rinn i iomadh breacan de thartan Bhlackie uaithe sin do dhaoin’ uaisle aig an robh mor mheas air, agus tha tuilleadh ’g an iarraidh; ach tha Màiri chòir a nis air fàs sean air son a bhi ri moran figheadaireachd, agus tha toil aice a còir air an tartan a chreic. Cha’n eil teagamh nach toir am figheadair a rinn an tartan ùr ainm eile air, agus gur e tartan Màiri a leanas air a bhi air ainmeachabh air-san a rinn na h-uiread as leith nan Gàidheal, an cànain, ’s an dùthaich. Bidh cron duine cho mòr ri beinn, mu’n léir dha fhéin e. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’n uai a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 117] [Vol. 4. No. 15. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha soitheach beag smùide á Albainn ag iasgach mu chladach Nova Scotia air an t-samhradh s’a chaidh. ’S i a cheud soitheach smùide a thainig riamh a dh’ iasgach an taobh so, agus tha iad ag ràdh gu’n d’ rinn i glé mhath. Buinidh i do cheannaichean ann an Obaraidhean. Chaidh fear Uilleam Mac Leoid a mharbhadh ann am Mèinn Victoria ’sa mhaduinn Di-màirt s’ a chaidh. Bha e aig ’obair anns a mhèinn, agus thuit cnap mòr guail air, ’ga bhualadh ’s ’ga mharbhadh far an robh e. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois, agus ’na dhuine measail cliùiteach. Dh’ fhàg e bean agus teaghlach. Tha uisge gu leòr a sileadh an dràsda. Cha mhòr gu robh oidhche air an t-seachdain so gun a bheag no mhor a thuiteam. Dha Dior-daoin ’na latha glé aognaidh, fuar agus fliuch. Bha an t-side gle fhada ’n aghaidh nan soithichean iasgaich, agus bha àireamh mhor dhiubh a’ gabhail fasgadh na h-acarsaid a chuid bu mho dhe’n t-seachdain. Tha an t-àm againn a bhi deanamh deiseil air son a gheamhraidh. Tha ’n amhach ghoirt air bristeadh a mach ann an Newfoundland. Rinn i sgrios mor anns an dùthaich sin bliadhnaichean roimhe so, agus tha i mis’ air tòiseachadh a rithist. Tha ministear Methodach ann an cearna dhe’n eilean, agus chaill e ceathrar deb’chloinn leatha. Chaochail dithis dhiubh an toiseach, agus ’nuair a shaoil iad a bha ’n tinneas cuibhteas an tigh, dh’ fhàs dithis eile dhiubh tinn agus choochail iad cuideachd. Tha am Manse bha coithional St. Andrews a cur suas a nise deiseil, agus tha am ministear ’sa theaghlach a fuireach ann o chionn che’r-la-deug. Tha e ’na thigh mòr briagha, air a shuidheachadh ann an aite cho math ’sa tha ’sa bhaile agus faisg air an eaglais. Tha e glé chreideasach do ’n choithional tigh cho math a chur suas, agus tha sinn an dòchas gu’n cuir esan a tha ’còmhnuidh ann an dràsda seachad iomadh bliadhna shona agus shoirbheachail ann. Tha malairt mhor a dol air adhart eadar cearnaidhean de Cheap Breatunn us Nova Scotia agus St. Pierre. ’S e stuth làidir am bathar a’s mo a thatar a tarruinn as, agus tha cuid ’g am faighinn fhéin ann an crois air a thàilleabh. Thr luchd na cuspuinn air an tòir an dràsda agus a breith air páirt aca. Rugadh air fear ann an Guysboro air an t-seachdain s’a chaidh agus luchd mòr aige, agus a rithist an la roimhe ghlacadh fiach ochd ceud dolair de shuth làidir ’s de thombaca a chuireadh air tir leis an duin’ uasal cheudna. Faodaidh gu bheil beagan airgid anns an t-seòrsa malairt so fhad ’sa chumair am falach i, ach cha mhor buannachd a th’ innte ’nuair a thig luchd na cuspuinn m’ a cùl. Cha’n eil ni a’s fhearr na bhi onarach; an rud a thig leis a ghaoith falbhaidh e leis an uisge. Thainig soitheach iasgaich Ruiseanach a stigh do San Francisco an la roimhe le luchd de chraicinn ròin ’s de bhéin eile. Bha fiach an luchd air a mheas aig leth muillein dolair. Aig Snider Depot, ann an Ontario, chaidh tigh le fear Tomas Lindsay na theine seachdain roimh ’n Di-ciaduin s’a chaidh, agus chaidh sianar de chloinn a losgadh gu bàs. Bha dithis dhuibh aig am meudachd. Air a thurus dhachaidh á Sidni, seachdain roimh ’n dé, bha Iain P. Mac Neill, a mhuinntir Amagadus Pond, air a leònadh cho dona le tuiteam as a charbad ’s gu’n do chaochail e an ceann da latha. An uair a dh’ éirich daoine ’sa mhaduinn an dé, bha an talamh air a chòmhdach le brat sneachda a thuit air an oidhche. Lean an sneachda air sileadh a chuid bu mhò dhe’n mhaduinn, ach bha e ’leaghadh cha mhor cho luath ’sa bha e ’tuitean. ’S e so a cheud shneachda a thainig air an fhoghar, agus thainig e trà gu leòr. Bha teine mòr ann an Chatham N B., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha còrr us tri fichead tigh air a losgadh, agus bha mu leth-cheud teaghlach air am fàgail gun dachaidh. Bu dhaoine bochda chuid mhor dhiubh, agus chaill iad na bha aca ris an t-saoghal. Tha iad a’ deanamh gu’n deachaidh fiach tri fichead mile dolair a losgadh. Thug fear Uilleam Hobin a mhuinntir a Bhai-’n-Iar ionnsuidh air tigh’n ri bheatha ann am Boston air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e gun obair treis a dh’ ùine, agus dh’ oibrich sin air an inntinn aige gu dona. Ghearr e a sgòrnan ann an da àite, ach bha e beò ’nuair a fhuaireadh e, agus chaidh a chur dh’ an ospidal. Tha na dotairean a deanamh nach urrainn da faotainn thairis air. Tha e mu dha fhichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois, agus tha bean us dithis chloinne aige ’sa Bhai-’n-Iar. Chaochail seann duine còir, Aonghas Ruadh Gillios, ann am Broad Cove, o chionn ghoirid, aig aois ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon deug. Rugadh e ann am Mòrthir, an Alba, ’sa bhliadhna 1804, agus thainig e air imrich dh’ an dùthaich so ’sa bhliadhna 1836, agus shuidhich e ’m Broad Cove, far an d’ rinn e dachaidh mhath dha fhéin ’s da theaghlach. Bha sgoil chuimseach mhath aige, agus rinn e ’na b’ urrainn da gus sgoilean a chur air chois ’sa chumail suas ’na choimheanrsachd. Bha e na sgoilear math Gàilig, agus bha e gabhail tlachd mor ann a bhi teagasg do’n òigirdh mu’n cuairt da an cànain féin a leughadh. ’Na òige bha e ’na dhuine cho eireachdail ’s cho foghainteach ’sa ghabhadh faotainn, agus lean sin ris gus an robh e na fhior sheann duine. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 118] [Vol. 4. No. 15. p. 6] Litirchean. A CHARAID:—Air taobh a stigh na litreach so, gheibh sibh dolar air son a MHAC-TALLA. Tha e còrdadh rium glé mhath. Cha’n eil coire air ach a luighad, ach ’s fhearr mar sin fhéin e na bhi as aonais; bhitheamaid an uair sin gun phaipear Gàilig idir. Tha mi an dòchas gu’m bi sibh fada beò na cheann. Is mi ur caraide. DONNACHA MAC CUAIG. Ottawa, Ont. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha mi glé thoilichte bhi ’g innse dhuibh gu bheil ur paihear ’g am ruigheachd gu riaghailteach. Tha mi glé bhuidheach dhe’n chùnntas a thug sibh air ur Cuairt Shamhraidh, agus nuair a bha mi ’ga leubhabh, bha mi a’ smaoineachadh nam biodh sibh còmhla riumsa ’nuair a bha sinn a tigh’n troimh na Beanntan Creagach (Rocky Mountains) gu’m biodh sibh comasach air naigheachd a chur ’sa phaipear a bhiodh fior thaitneach ri leughadh. Is iomadh ceum a shiubhail mi agus a chaidh me troimh bheanntan roimhe, ach chunnaic mi air an turus so beanntan, us glinn, us tuill, us iomadh rud eile nach fhaca mi riamh roimhe. Leubh mi le iomadh gàire an còmhradh eadar Eóghan us Dòmhnull us Mor, agus thug e gu m’ chuimhne iomadh droch Ghàilig a chuala mi fhéin ri m’ latha, ach cha bhi mi tigh’n thairis air sin an dràsda. ’S aithne dhomh gu leòr a chaill an cuid Gàilig ma’s fior dhaibh féin, ach ma chaill, cha d’ fhuair iad a Bheurla no cànain sam bith eile. Tha eagal orm ma ni mi mo litir dad na’s fhaide nach urrainn duibh a clò-bhualadh, agus ’s fheudar dhomh stad. Gheobh sibh dolar anns an litir; tha mi tri miosan air deireadh, ach thuirt duine glic roimhe gur fhearr deireadh cuirme na toiseach sabaid. Slan leibh aig an àm so. TEARLACH. Oaklands, California, 9, 10, ’95. Ma tha toil agad d’ fhortan a dheanamh, ’nuair a chluinneas tu daoin’ eile ’g radh gu bheil airgead ri fhaotainn an sid, ’s gu bheil airgead ri fhaotainn an so, na toir cluss dhaibh; thoir an air’ air do ghnothuch; fuirich far am bheil thu, agus faigh na’s urrainn dhuit fhaotainn gun charachadh as an àite ’sam bheil thu. Bidh iteagan bòidheach air na h-eòin a tha fad as. FAICEALL. Cha’n urrainn duinn a bhi tuilleadh us faiceallach. Cha’n abair sinn duine treun idir ris-an a ruitheas do’n chunnart air sgàth a bhi ann an cunnart, no air sgàth a bhi air a mholadh le daoine neo-thuigseach. Cha duine treun a leumas bhar drochaid Bhrooklyn dh’an amhuinn gu h-iseal, no a dh’ fheuchas ri snàmh thairis air na h-àiteachan cunnartach ann an amhuinn Niagara. Cha’n eil ann ach duine amaideach a tha ’cur a bheatha na làimh gun aobhar. Cha chùir an duine treun e-fhéin ann an cunnart gun aobhar, ach ’nuair a thig an t-àm anns an toir a dhleasanas do’n chunnart e, cha mheas e gur còir d’a bheatha bhi ’san rathad air, no ’ga chumail air ais. Ach gus an tig an t-àm sin cha chuir e a bheatha fhéin no beatha muinntir eile ann an cunnart. Tha sgeul air innse mu bhean-uasal a bh’ ann an cearna de Shasuinn uair a bha ’g iarraidh fear-carbaid. Chuir i fios a mach, agus thainig triùir dhaoine ’gan tairgse féin. Bha iad nan triùir glé fhreagarrach air son na h-oibreach, ’s cha robh fhios aice car greis có ’m fear a dh’ fhastaidheadh i. Ach mu dheireadh chuir i ceist air fear dhiubh. “Na’m bitheadh tus’ a falbh leam anns a charbad agus agad ri dhol thairis air rathad air mullach creige ri taobh a chladaich, cia cho faisg ’sa rachadh tu air bile na creige leis a charbad?” “Tha mi smaoineachadh,” ars esan, “gu’n rachainn cho faisg ri da throigh air bile na creige gun eagal sam bith gu’n cuirinn thairis an carbad.” “Seadh,” ars ise, “tha sin glé mhath; cia cho faisg ’sa rachadh tus air?” ris an darra fear. “Tha mi glé chinnteach gu’n rachach agam air a dhol cho faisg ri troigh air,” fhreagair esan. “Tha sinn na’s fhearr a rithist,” ars ise, agus thionndaidh i ris an treas fear. “Agus cia cho faisg ’sa rachadh tus’ air bile na creige?” “Na’m bithinnsa air a leithid sin de rathad,” ars an duine, “chumainn cho fad air falbh bho bhile na creige ’sa ghabhadh deanamh.” “’S tusa ’n duine ’tha dhith orm,” ars a bhean-uasal. “Cha ghabh mi gnothuch ri duine a dh’fheuchas ri dhol cho faisg air a chunnart ’s is urrainn da. ’Se duine faiceallach, cinnteach, a tha mi air son a bhi agam mar fhear-carbaid, ’s cha’n e duine dàna chuireas mo bheatha-sa agus a bheatha fhéin ann an cunnart gun aobhar sam bith.” Co-dhiu tha ’n sgeul so fior no nach eil, tha leasan math air fhilleadh a stigh innte. “Seachain an t-olc us seachnaidh an t-olc thu.” Tha còir us da cheud deug mile (1,200,000) acaire fearainn fo choille ann an Canada. Tha fiach ceud us deich muillein ($110,000,000) dolair de dh’fhiodh air a ghearradh a h-uile bliadhna, agus tha ’n luchd-oibreach a faotain mar thuarasdal còrr us deich muilleinean fichead ($30,000,000) ’sa bhliadhna. Tha a’ choille ’na saoibhreas mor do Chanada, agus ’s mòr an call a bhi leigeil le teintean ruith air a feadh. Teirigidh i luath gu leòr gun an teine bhi cur as dhi. Tha e glé choltach gu bheil Newfoundland gu bhi na’s fhearr dheth air a bhliadhna so tighin na bha e o chionn ioma bliadhna. Bha iasgach nan ròn glé mhath, agus tha ’n trosg moran na ’s pailte na bha e an uiridh. ’Sann ris an iasgach a tha ’n dùthaich air fad ag amharc air son teach-an-tir, agus ’nuair a bhios an t-iasgach gu math, bidh an dùthaich gu math dheth. Tha sinn toilichte so a chluinntinn mu Newfoundland. Tha Canada a h-uile bliadhna a paigheadh còrr us deich muillein dolair ($10,000,000) de riabh air son a cuid ainbhfheich, no da dholair mu choinneamh gach duine bean us pàisde ’tha ’san dùthaich. A bharrachd air so tha cuid de na mor-roinnean gu trom ann an ainbhfhiach agus cha’n eil gin dhiubh cuibhteas ainbhfhiach gu buileach ach Ontario leatha fhéin. Tha e air innseadh gun deachaidh buntàta a bhuain ann an Colorado air an fhoghar so a tha ochd oirlich fhichead a dh’ fhad agus ceithir oirlich dheuga troimhe. Tha e deich ùnnsa thairis air ceithir fichead pùnnd ’sa sia a chudthrom, no cho trom ri buiseal gu leth de bhuntàta cumanta. Dhirich dithis dhaoine agus dithis mhnathan gu mullach Beinn Neimheis aon latha deireadh a mhios s’a chaidh. Chaidh iad suas air an taobh bu chaise dhith. ’Se so a cheud uair a chaidh aig boirionnach air a bheinn a dhireadh. Bidh gach fear a tarruing uisge gu ’mhuileann fhéin. Bho nach fhaod mi beantainn do’n ghiadh mhòr, pronnaidh mi na h-iseanan. [TD 119] [Vol. 4. No. 15. p. 7] Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uile roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 120] [Vol. 4. No. 15. p. 8] ORAN (Air a leantuinn) ’S mi mar gu’m biodh beag-Iarla ’Nuair chi iad sios an fhearainn mi, ’S a stàrachd air am bialthaobh ’S i lionta le “Cut Cavendish” Cha dùraig iad a h-iarraidh, A chionn i bhi cho ciatach, ’S cha toir mi as mo bhial i, A dh’ aindeoin miann cha’n fhaigh iad i. Cha toir mi Mhuracha Mòr i, ’S nis mò cha toir mi dh’ Ailean i, Na Ruairi mac Ian oig, Ged a bheir mi ceò do Chalum dhi. Bheir mi i chlann Eòghainn, Is gheibh an gill’ aig Mòir i, Cha toir mi do Iain mòr i, Ach deòinichidh mi dh’ Alick i. Gheibh Iain mac Coinnich bhàin i Le ’làn, ’s cha bhi sin annasach, ’S Aonghas còir a bhràthair, ’S cha ’n àicheadh mi do’n Cheannaich i. Bheir mi cuairt dhi Phràdruig, Is do d’ dhithis bhràithrean, ’S cha dean an triùir a tràghadh, ’S ann bheir i sàth nan ceathrar dhaibh. Gheibh Dòmhnull còir mo nàbuidh, Is Adi, agus Ailean i; Bu mhath dhomh fein ’s do chàch iad, Is iad nach fàgadh falamh i. Tha feadhain ann nach tàire, Dhe ’m chinneadh ’s dhe mo chàirdean ’S an uair a gheibheadh càch i, Co leis bu dàna falach orr’. Tha moran dhe bhur càirdean ’N an armuin a tha ceannalta, Na diùmhlaich mhora làidir, Cho tàbhachdach ’s is aithne dhomh; Ma thig a h-aon nam dhail dhiu, An è nach toir mi dha i? Bhiodh cuis an aghaidh nàduir, A chionn an sàr a cheannaich i. ’Nuair chi mi Seumas Dhòmhnuil, Is feadhain chòir a bharrachd air, Saoil nach bi iad pròiseil ’Nuair gheibh iad ceò dhi? ’s math leo e, ’S nach faic iad té dhe seòrsa ’S an tir ’s a bheil an còmhnuidh, Ach ma’s a h-urrainn dhòmhsa ’S mi féin bhios deònach air thoir dhi. A phiob a chuir an t-uasal A nall thar chuan á Halifax, Ghuidhinn saoghal buan dha, Is neart is smuais is fallaineachd. Is fearr leam na deich luachan A faicinn agam uaithe. Cha toir fear eile uam i, ’S mi féin a fhuair le ’bheannachd i. Cha d’ chuir neach riamh na bhial i, Nach iarradh an ath tharruing dhi; Cha ’n ann airson a briaghad A mhàin bha miann gach fear innte; Tha stuth innte tha fiachail, ’S ro mhaith i air a dianamh, Dh’ fhòdhnadh i do dh’ Iarla Gu siorruidh fhad ’s be mhaireann e. Fhior uasail ’chuir do ’n tir i, Mo mhile miltean beannachd ort, O’s iomadh neach a chi i Nach faigheadh ni ach amharc oirr.” Cha leiginn i nan innean G’a milleadh na ga sgriobadh ’Nuair rachadh iad ’ga sliobadh, ’S i cheart cho min ri gloin’ aca. Tha cuid do dhaoine neònach, Is mòrran dhiu cho aineolach, A feuchainn ni dhe n t-seòrsa An còmhnuidh le cion faireachaidh, A dh’ fhàisgeas i le ’meòirean, Le moit ’s le fearas-mhòra ’S na ’n cuireadh e, bhiodh prois air, Le òrdaig thar na h-amhaich i. Cha ’n araicheadh tu mi Ged nach sinnean i do amadan, Is fear nach cuir srad innte, Carson a shinnte falamh i? Thig cuid far a bi mi ’S nan tugainn dhaibh a phiob-sa, Nach lasaicheadh a chaoidh dhi Cho fad sa chìte tein’ innte. Ged chùnnt mi fear na dhà dhiu, Mar tha, tha cus a bharrachd ann, Nach ainmich mi an dràsda, Mas nairich am Mac Talla mi. Rinn e orm mu thrà sin Mo chainnt a chur do ‘Bheaintraigh;’ Ach seach nach robh smid ceàrr dheth Tha sin a fàbhar Challum bhochd. CALUM MAC IAIN IC PHADRUIG. EALIDH GHAOIL. LE EOGHAN MAC-LACHINN. LUINNEAG. Air failirinn, illirin, uillirin o, Air failirinn, illirin, uillirin o, Air failirinn, illirin, uillirin o, Gur boidheach an comunn ’Th’ aig coinnimh ’n t-Strathmhoir. Gur gile mo leannan Na’n eal’ air an t-snamh; Na cobhar na tuinne ’S e tilleadh bho ’n traigh; Na’m blath-bhainne buaile ’S a chuach leis fo bharr; Na sneachd na ’n gleann dosrach Ga fhroiseadh mu ’n bharr. Tha cas-fhalt mo ruin-sa Gu siubhlach a sniomh, Mar na neoil bhuidh’ a lubas Air stucibh nan sliabh. Tha ’gruaidh mar an ros Nuair a ’s boidhch’ a bhios fhiamh Fo ur-dhealt a cheitein Mun eirich a ghrian. Mar Bhenus a boillsgeadh Thar choilltibh nan ard, Tha a miog-shuil gam bhuaireadh Le suaicheantas graidh. Tha braighe nan seud Ann an eideadh gach aidh, Mar ghealach nan speur ’S i ’cur reultan fo phramh. Bidh ’n uiseag ’s an smeorach, Feadh lointean nan driuchd, ’Toirt failte le ’n orain Do ’n og-mhaduinn chiuin; Ach tha ’n uiseag neo-sheolta ’S an smeorach gun sunnd ’Nuair thoisicheas m’ eudail Air gleusadh a ciuil. Nuair thig samhradh nan noinean A comhdach nam bruach, ’S gach eoinean sa chroc-choill’ A ceol leis a chuaich, Bidh mise gu h-eibhinn A leumnich ’s a ruaig Fo dhluth mheuribh sgaileach A manran ri m’ luaidh. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 121] [Vol. 4. No. 16. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 26, 1895. No. 16. Turas do Elilean Prionnsa-Eideart. LEIS AN URR. CALUM MAC LEOID. Bha Seanadh na h-Eaglais Chléireich gn suidhe ann an Charlottetown, ceann-bhaile Eilean a Phrionnsa, air Di-màirt a chiad latha de mhios mu dheireadh an fhoghair, anns an fheasgar. Agus do bhrigh nach b’urrainn mi bhi aig suidhe an t-Seanaidh gun bhi Sàbaid air falbh bho’n chothional, chòrd mi féin agus an t-Urr Mr Friseal, minister a Chladaich a Tuath, air falbh tràth air an t-seachduin agus bhi air an t-Sàbaid romh shuidhe an t-Seanaidh a’ cuiideachadh an Urr. C. Caimbeul a frithealadh sacramaid Suipeir nan Tighearna ann an eaglais Gleann an Ròs, aon do eaglaisean Strathalba, Eilean a Phrionnsa. Dh’fhàg mi Ceap Nòr air Di-sathuirne, an aonamh latha fichead de mhios meadoonach an fhoghair, agus bha mi ann an Iugonish air an t-Sàbaid. Air maduinn Di-luain chaidh mi thairis Beinn a Cheò, o mhullach am beil sealladh anabarrach briagha. Air an làimh chli an cuain mor cho fada ’sa chi an t-sùil, breac le siùil gheala shoithichean agus bhàtaichean ag iasgach an runnaich; aig a bonn, shios fo na casan, achannan agus taighean Thormoid Neil Ic Leòid; direach air thoiseach an Cladach a Tuath, le rudhaichean, a bhaighean, a mhachraichean, agus a thaighean geala cho fada ’sa chi neach suas gu Baile-nan-Gall; agus air a làimh dheis a bheinn ’na balla àird a cumail fasgaidh air an lubhd aiteachaidh air an taobh ma thuath. Mhiannaicheadh neach fuireach ùin fhada ann an so a beachd-smuaineachadh air mòralachd an Tì a chruthaich na beanntan, na glinn, na cuaintean, agus na tha gabhail còmhnuidh annta, ach feumaidh sinn dol air adhart. Mu anmoch ràinig mi Manse an Urr. Iain Friseil far an d’ fhuair mi aoidheacdh chàirdeil, cheanalta. Air maduinn an ath latha dh’ fhalbh sinn le chéile dh’ionnsuidh aiseag Bhaile-nan-Gall agus a chionn ’s gu robh fios aig Torcull gu’n robh sinne a tighinn, cha do dh’fhuirich e ri smèideadh na ri éigheach, ach bha e nall leis an sgoth agus choinnich e sinn aig a’ chladach, agus thug e sinn fhéin agus an t-each null sàbhailte thar an uisge. Ràinig sinn Baddeck feasgar agus dh’fhan sinn an sin an oidhche sin. An glasadh gorm an ath latha cha sinn, le air màileidean sios an t-sràid dh’ionnsuidh na laimhrig, aig an robh batnasmùid a’ séideadh agus a’ feadaireachd. Chaidh sinn air bord agus ann am beagan ’s uair a thide bha sinn aig na Narrows Mhòr, far an do ghabh sinn an carbad smùide gu ruig Caolas Chanso. Chaidh sinn an sin air bòrd bata-smuid an aiseag a bha gus air toirt a null gu Mulgrave, far an robh sinn a’ dol rìs do’n charbad. Beagan mu’n do dh’fhuasgail i bho’n laimhrig thoisich i fein agus an carbad smùide air tir ri feadaireachd anabarrach cruaidh agus cabhagach. Cha robh fios againn an toiseach gu de bhreisleich a bh’orra ach m’a dheireadh thuig sinn gur ann a bha iad a leigeadh soraidh le càraid a bha air ur-phosadh agus a bha gabhail na slighe maille ruinn. Ach mar a tha sean-fhocal ag radh, “Ma’s a ceòl feadaireachd, tha gu leòir beagan dheth.” ’Nuair a chaidh an t-straighlich ud thairis cha robh moran tuilidh ann a ghairm ar n-aire ach leth shean nighean a bha anns a chuideachd, a bha toirt leatha cat ann am bascaid. Bhiodh i gu tric a sanas ris, ach uair de na h-uairean, anns a chomhradh a bh’ann, ’sann a leum an cat a mach! Ach ma leum, cha b’ann gu fois a chaidh an gnothuch. Bha an tabaid glé chabhagach fhad sa mhai ri, ach ma dheireadh ’sann airsan a chaidh, agus b’éiginn a dhol air ais ged bu mhor an aghaidh a thoil e. Bha iad glé ùpraideach le chéile fad an turais. Rainig sinn Pictou anns an fheasgar agus leig sinn thairis an oidhche ann an sin. A latha-’r-na-mhàireach chaidh sinn air bòrd a bhàta-smuide a bha dol gu Charlottetown. Sheol i beagan an deigh aon uair ’san fheasgar. Bha gaoth a séideadh glé làidir, ach bha an fhairge an toiseach ciùinn, ach mar bha sinn dol air adhart bha i ag at gu h-anabarrach. ’Nuair bu mhiosa bha i chuala sinn eigh na creach shios ma mheadhon a bhata; chlisg mo chridhe, bha dùil againn gu’n robh rudeigin cearr, ach ’se bh’ann oifigeach a bhuineadh do’n bhàta ’gar gairm sios fo rum chum s gu faigheadh sinn ur ticead. Thug sinn oidhearp air umhluchd a thoirt do’n ghairm ach cha robh na h-uile fear a ruith cùrsa direach. Chaidh sinn sios breothail, drabhail, ach an uair a rainig sinn an t-aite, cha robh an cléireach ann an sin, agus chaidh na h-ath éighean a leagadh risan, ’s dh’fhaodadh e an cluinntinn ged bhitheadh e mar bha Ionah, “na shuain chodail ann an taobhan na luiuge.” Fhad ’sa bha sinn a feitheamh air a chlàr-iochdar bha sinn direach mar a bha an Salmadair ag ràdh bhiodh na maraichean “Dol thuig is uaith gu tuisleach mar dhuine air mhisg.” ’Nuair ’fhuair sinn an rud bha sinn ag iarraidh chaidh sinn air ais, ni-eigin coltach ri mar a bha sinn a’ dol sios. Uaith so dh’ fhòghlum sinn gu’m b’e “air neart fuireach nar tàmh.” Bha e air fàs dorcha ma’s do rainig sinn Charlottetown, agus a chionn ’s gu robh a ghaoth a’ séideadh cho ladair bha eigheach gu leoir ann ma’s d’fhuaradh a ceangal ris a bhuarbh. Ach bha aon ni bha sinn a’ moladh, ge do bha na h-uiread a dh’éigheach ann cha chuala sinn facal de dhroch cainnt (Ri leantuinn.) Tha fior obair na h-eanchainn chum deagh shlainte agus beatha fhada, ach air an laimh eile, tha saruchadh na h-eanchainn a’ tarmachadh tinneis agus bais. [TD 122] [Vol. 4. No. 16. p. 2] NA SEAN FHACAIL. (An Gaidheal, 1875.)—Air a leantuinn. Ciod e Sean-fhocal? Aithnichidh gach aon againn e an uair a chi no ’chluinneas sinn e; ach cha’n ’eil e cho farasda a mhineachaidh do neach eile ciod iad na feartan a tha ’deanamh suas na doigh-chainnt so. Thuirt Sasunnach ainmeil a tha fathast maireann gur e Sean-fhocal ‘gliocas morain, ach geiread aoin;’ agus thuirt sean Ughdar Romanach gu bheil an Sean-fhocal mar an Seillean—‘gu’m faighear a’ mhil ’s an gath ann an coluinn bhig. Gheibhear an so, tha mi meas, an da chuid mineachadh agus eisimpleir air Sean-fhocal; ach cha ruigear leas fiughair a bhi gu’n seas am mineachadh an comhnuidh fior. Cha ’n fhaighear Sean-fhocal, tha mi creidsinn, as eugmhais nan tri nithean so—Gliocas, Geiread, Giorrad; ach cha ’n ’eil mi cho dearbhta gu’n deanar suas e leis an tri a’ mhain. Mu ’m fas e ’n a Shean-fhocal is eigin gu’ gabh an Saoghal ris mar aon; agus cha bhiodh e lich iomadh radh fhaotainn a tha glic, geur, a’s gearr, nach d’ fhuair fardoch am measg an t-sluaigh. Ach ma theid agad air firinn a thilgeadh ann am beagan de fhocail shnasmhor a ni greim air inntinnean dhaoine, air chor ’s gu bheil an fhirinn air a h-aiseag o bheul gu beul ad chainnt fein, ’s e mo bharail gum feudar a radh gur Sean-fhocal an fhirinn so. Ma [?] an radh air a thoirt seachad fo shamhladh, [?] rann, no ann am focail a ni fuaim thaitneach [?] chluais, bithidh e na’s dòcha gu’n gabh an sluagh [?] ma nithear a bheatha as eugmhais nan innleachd [?] is Sean-fhocal e. Chunnaic sinn a cheana am meas a bh’ aig na daoine treun a dh’ fhalbh air a’ mhodh-theagaisg so; agus cha ’n aobhar iongantais ged a bha. Air an cur ri cheile leis na daoine a bu ghlice ’s a b’ fharsuinge fiosrachadh anns gach linn; air an tilgeadh an cumadh taitneach do’n t-suil ’s do’n chluais; chaidh an giulan air meodhair an t-sluaigh o dhuthaich gu duthaich, ’s o ghinealach gu ginealach, ged chaidh, mar bu trice, na blair a chuir iad, na fearainn a cheannsaich iad, ’s na h-ealnidhean a dh’ ionnsaich iad, gu tur a dhichuimhneachadh. Dhuinne tha na Sean-fhocail ro luachmhor. Gheibh sinn annta gu tric am fiosrachadh is earbsaiche air gliocas, gleustachd, beachdan, a’s creidimh ar sinnsearachd. Cha ’n ’eil cearn de thir an Eolais, no ach beag de rioghachd a’ Chreidimh nach eil iad a’ comhdachadh. Eolas mu ’n chruthachadh ’s mu chuibhrionn an duine ann; eolas mu laghannan na h-inntinn ’s a’ chuirp; riaghailtean-stiuiraidh air son a’ ghluasaid anns gach dleasdanas dha fein, d’a choimhearsnach, ’s d’a Chruith-fhear;—agus so uile ann an cainnt shnasmhor, farasda ’thogail ’s a chuimhneachadh, a bheir toilinntinn cho math ri foghlum seachad. Cuid de na Sean-fhocail gheibhear anns gach canain ’s anns gach duthaich—fior luchd-aiteachaidh an domhain—a’ ruigheachd air ais gu tus ar n-eolais. ’s air falbh gu crioch ar n-aithne, a’ toirt dearbhadh laidir air firinn an Abstoil Phoil gu’n do ‘rinn Dia a dh’ aon fhuil uile chinnich dhaoine;’ cuid eile dhiu gheibhear duthchasach do’n tir so no do’n tir ud eile, a’ tarruing an cruth ’s an dreach o’n sluagh ’s o’n tir o’n d’fhuair iad am beatha;—ach gu [?] ro-luachmhor dhuinne mar na tinneachan is treise airson t-slabhraidh shiorruith a tha ceangal dhuthchannan a’s inntein an t-saoghail ann am bannaibh teann an Eolais, a’ Ghiiocais, agus a’ Ghraidh. Ach luachmhor ’s mar tha na Sean-fhocail, agus measail ’s mar is coir dhuinn an comhnuidh an gleidheadh air chuimhne, cha ’n ’eil iad gun chunnart ’n an lorg. Tha ’n Sean-fhocal mar an Teine, ’n a dheagh Sheirbhiseach ach ’n a dhroch Mhaighstir. Ma ghleidhear ’n a aite fein e, tha e fiachail a’s goireasach—beathaichidh a’s geuraichidh e’n inntinn; ach ma bheirear an lamh-an-uachdar dha, cha dean e ach a claoidh. Mar tha eolas a’ dol am farsuingeachd, a’s mar tha laghannan a’s cleachduinean ura a’ faotainn aite am measg an t-sluaigh, tha dleasdanais ura ag eirigh suas. An Sean-fhocal a bha fior mile bliadhna roimhe so, feudaidh e bhith nach ’eil e fior an diugh. An Sean-fhocal a tha fior ’s an Airde-Near, feudaidh e gun bhi fior ’s an Airde-Niar. Agus gu h-araid an radh a tha fior an aon seadh, is tric nach ’eil e fior ann an seadh eile. A thuillidh air so, tha mi meas gu bheil sinn anns a’ Ghaidhealtachd buailteach do bhi toirt barrachd uachdaranachd do na Sean-fhocail na tha ar coimhearsnaich na Goill. Cha ’n ’eil againne an cothrom a tha aca-san air foghlum fhaotainn á leabhraichean. Bha sinn riamh a’ faotainn na bu mho d’ ar n-eolas leis a’ chluais na leis an t-suil, agus bha moran de’n eolas air a thoirt seachad ann an Sean-fhocail. A ris, tha ’leithid de thlachd aig Gaidheil de gach ni a tha deas, cuimir, ’s gu bheil an cunnart ro mhor gu’n gabh sinn ri radh a thaitneas ruinn anns an rathad so, gun moran rannsachaidh a dheanamh mu ’fhirinn. Chuir sinn ann an Sean-fhocal ar n-earbsa á firinn nan Sean-fhocal thar cheann,—‘Ged dh’ eignichear an Sean-fhocal, cha bhreugnaichear e.’ Tha ’leithid de bhuaidh aca thairis oirnn, ’s a’ leithid de dh’ earbsa againn ’n am firinn, ’s nach ’eil ni cho feumail dhasan leis am bu mhiann beachd ur a thoirt fa chomhair Ghaidheal ri cairdeas nan Sean-fhocal a dheanamh. Tha e air aithris mu Bhard ainmeil Sasunnach gu’n do mharbh oraid e anns an robh breith chruaidh air a thoirt air a shaothair. Cha ’n ’eil neach a leugh an Teachdaire Gaidhealach nach faca am mort a dheanadh an t-Olla Mac-Leoid leis na Sean-fhocail. Mar shlachdan-druidheachd nan sgeulachdan, bha iad an comhnuich aig ’uilinn a chum cur as do gach namhaid a thigeadh ’n a charamh. Agus cha ’n ’eil aon againn nach faca, uair a’s uair, Deasbair eigin, leis an fhirinn ma dh’ fhaodte ’n a bheul, air a thilgeadh le aon de na saighdean cuimseach, basmhor so. Is claidhean da fhaobhair air an deadh liobhadh na Sean-fhocail. Gearraidh iad dlu, agus gearraidh iad glan. Ach is ann mu’n chuid is lugha dhiu a mhain is urrainnear a’ radh, mar theirteadh mu chlaidheamh Fhinn, ‘nach d’ fhag e riamh fuigheall beuma.’ Feuchaidh sinn o am gu h-am ri aon na dha de na Sean-fhocail Ghaidhealadh a chur fo ghloine-amhairc dubailt’ a Sgrudaire, a bheir am fada am fagus, ’s a ni am beag mor, agus ri ’rannsachadh a mach, a reir ar comais, ann an solus ar latha fein ciod e ’n fhirinn a gheibhear fillte annta. D. M’K. Bha duine air ’fheuchainn airson meirle ann an Duneidin o chionn mòran bhliadhnachan. Fhuaradh ciontach e, agus bha e air a dhiteadh gu bàs; nuair a chuala e a’ bhreith-dhitidh ghlaodh e a nach ard a chinn, “A Bhreitheamh! cha d’ fhuair mi ceartas.” “Nach d’ fhuair” ars am Breitheamh, “coma leat, gheibh thu e air maduinn Di-luain a tha tighinn.” [TD 123] [Vol. 4. No. 16. p. 3] ALASDAIR SGIOBALTA. Thachair do dhuin-uasal òg, aighearach a bhi ’cur seachad oidhche gheamhraidh ann an Tigh-osda Lag-an-droighinn. Cha robh a bheag aige r’ a dheanamh, ’s bha e a’ faireachdainn na h-uine fada. Chuir e fios air fear an tigh-osda dh’ fheuchainn an robh duine tuigseach, cracairiche math, no fear a dh’ innseadh sgeulachd anns a’ bhaile, a gheobhadh e a chur seachad an fheasgair leis. Thuirt fear an tighe gu ’n robh,—an t-aon duine a b’ fhearr a dh’ aithris naidheachdan, no a ghabhail oran na ’m b’ eiginn e, eadar Maol-Chinntire agus Tigh-Iain-Ghroid,—b’ e sin Alasdair Sgiobalta, an taillear. Dh’iarr an duin-uasal air fios a chur air Alasdair ma tà; rud a rinn fear an tighe, ’s cha d’fheith an taillear an dara cuireadh: is duilich leam gur iomadh uair a rachadh e an rathad ceudna gun chuireadh idir. Coma co dhiubh, thainig Alasdair ’s chaidh a sheoladh a stigh do sheomar an duin-uasail. Chaidh am botul a thoirt air bonn agus lan slige a chur leth ri goile an tailleir g’ a chur air fonn seanchuis; ’s Moire! cha robh sin duilich! An taice nan sgeulachd chaidh an taillear. Bheireadh an duin-uasal dha an deàrrsach eile as a’ bhotul, “eadar dha naidheachd,” mar their iad—’s faodar a bhi cinnteach nach robh e ’deanamh dearmaid air fhein ’s a’ cheart am—gus mu dheireadh an d’ fhàs an companas cho cridheil ’s gu ’n robh aon air bith d’ an dithis—gu sonraichte an taillear—deas air son gniomh cuimsich sam bith. Mar bha ’n t-olc ’s an duin-uasal, ars’ esan ri Alasdair, “Innsidh mi dhuit ciod e ’nì mi—bheir mi dhuit gini oir air na cumhnantan so: gu’n leum thu air d’ ais ’s air d’ aghaidh thar na cathrach so fad leth-uair—gu riaghailteach, socair—a’ glaodhaich am mach aig a’ h-uile leum, ‘Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn;’ ach ma bhruidhneas tu aon fhacal eile, no ma stadas tu de d’ leum gus am bi an leth-uair thairis, caillidh tu do dhuais.” Chuir neonachas na tairsge a thug an duin-uasal dha, ioghnadh air an taillear, ’s bha e tiota beag ann an ag am bu choir dha aontachadh leatha, ach ars’ esan ris fhein, “Tarrainnidh mi snathainn no ’dha an Lag-an-droighinn m’ an coisinn mi ’urad; agus bidh latha ’s bliadhna m’ an tig a’ cheart tairgse am charaibh a rithist—gabhaidh mi rithe.” “Is bargan e,” thuirt esan ris an duin-uasal; “cha ’n ’eil ann ach sinn fhein, agus cha ’n ’eil na cumhachan duilich a choimhlionadh;—is mairg a theirteadh Alasdair Sgiobalta rium mur leumainn fad leth uair, no fad latha na ’m b’ eiginn e, thairis air cathair!—is iomadh leum a b’ airde, agus theagamh a b’ amaidiche a thug mi air son duais a bu shuaraiche” Thug an duin-uasal am mach ’uaireadair agus thilg an taillear dheth a chota. A’ cur a laimhe air cul na cathrach, thoisich e air leum, ’s e gu farumach ag aithris nam facal a chaidh iarraidh air, “Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn!” An deigh da so dol air aghaidh fad mu thuaiream choig mionaidean, thug an duin-uasal tarrainn air a’ chlag ’s thainig seirbheiseach a stigh. “Ciod air an talamh a bu chiall duibh,” thuirt an duin-uasal; “a leithid so de dhuine cuthaich a chur a stigh leamsa? Nach do shaoil mi gu ’m bu duine tuigseach a bha ann; an ann toileach amadan a dheanamh dhiom a bha sibh?” ALASDAIR.—“Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn!” SEIRBHEISEACH.—“Air chinnt’ a duin-uasail cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fhairich e; cha ’n fhaca mi riabh roimhe e ’dol air ’aghaidh mar so—Alasdair, Alasdair! ciod is ciall duit?” A.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. S.—Beannaich mise! Alasdair thailleir, cuimhnich c’ àite bheil thu; nach ’eil meas agad air an duin’-uasal a chuir fios ort? C’ arson a tha thu a’ deanamh burraidh dhiot fhein?” A.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. FEAR-AN-TIGHE (a’ tighinn a stigh le cabhaig).—“Ciod an ainm an Fhreasdail a tha ’so?—tha an duine air mhearachinn—nach ann agad ’tha ’n dearg aghaidh, dhuine, dol a thoirt maslaidh do dhaoin’-uaisle ann am thigh-sa le ’leithid so de chluicheachd!” A.—“Is mise Alasdair Sgiobalta.” &c. FEAR-AN-TIGHE (ri aon d’ a sheirbheisich).—“Ruith air son a mhnatha, oir cha n urrainn domh cur suas le so. A chairdean, tha e soilleir gu bheil an duine air dearg lasair a’ chuthaich; agus tha dochas aaam nach tig dìmeas air mo thigh an lorg a’ ghnothaich so.” A.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. BEAN ALASDAIR.—(a’ ruith a stigh).—“O! Alasdair, Alasdair, ciod a thainig ort? Nach aithne dhuit mise—do bhean fein?” A.—Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. B. A. (a’ caoineadh).—“Mur ’eil umhail agad domhsa, cuimhnich air do leanaban aig an tigh, agus thig dachaidh leam.” A.—“Is mise Alas—” Cha b’ urrainn d’a a mhnaoi an gnothach a sheasamh na b’ fhaide; leum i ’s thilg i a lamhan m’ a mhuineal, ’s chroch i ris air a leithid de dhoigh ’s nach robh comas aige air leum tuille a thoirt. Is ann an sin a bha a’ ghleachd—esan an geall air a’ ghini, ’s a’ feuchainn ri ise ’thilgeil dheth; ach chunnaic e nach gabhadh so deanamh, ’s gheill e dhi. “Droch bhàs ort! òinseach gun tùr,” thuirt esan gu muladach; “cha do bhuidhinn mi riabh gini cho furasda na ’n leigeadh tusa leam.” Feumar ’innseadh gu’n robh an t-òsdair moran na bu toilichte leis a’ mhineachadh a chaidh a thoirt air a’ chùis na bha bean an tailleir. A chur saod air Alasdair bochd thug an duin-uasal dha gu saor an gini a bu ghle mhath a choisinn e. MAC-MHARCUIS. Bha iasgar bochd ann an Eilean a’ cheò roimhe so, agus nuair bha an t-iasg gle ghann, b’abhuist da beagan airgid fhaighinn o Sgiobairean aig an robh feum air fear-iuil luinge, ged bha e air aithris le bheag no mhòr de’n fhirinn nach bu mhòr a b’fhiach e aig a’ ghnothuch. Bha e aon uair air bord luinge mòire Sasunnaich ’ga treòrachadh gu Steòrnabhaigh, agus mar a bha beagan ceò ann, bha an Sgiobair mi-shocrach ’na inntinn, agus dh’ fhoighnich e ris an iasgar, an dara uair, an robh e gu math eòlach air an oirthir. Fheagair an t-iasgar, “A dhuine! tha lan eòlas agam air gach carraig eadar so agus Steòrnabhaigh,” feadh ’s a bha e bruidhinn bhuail an long air sgeir fo shàile agus thuirt e, “agus gu dhearbh is i so aon diubh.” [TD 124] [Vol. 4. No. 16. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 26, 1895. Bha mòd mòr aig luchd-fòghluim Nobha Scotia, ann an Truro air an t-seachdain s’a chaidh; bha maighstirean. sgoile as gach cearna dhe’n dùthaich ann, agus an Dotair Mac Aoidh, á Halifax, air an ceann. Bha iad a cur ann cinn cuideachd mu mhoran nithean a thaobh nan sgoilean. Dh’aontaich iad am measg nithean eile gu’m biodh e iomchuidh a bhi teagasg na Frangais do’n chloinn anns na sgireachdan ’sa bheil a chainnt sin air a labhairt. Bha cuid dhe na bha làthair a’ tagradh gu’n bu chòir a Ghàilig a bhi air a teagasg do’n chloinn anns na sgireachdan ’sa bheil a Ghàilig air a labhairt. Ach cha d’thainig iad gu còrdadh sam bith thaobh sin air an turus so. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil e mòran na’s usadh do chloinn sgoil a thoirt a mach ma tha an cainnt féin, co-dhiu a’s Gàilig no Frangais i, air a teagasg dhaibh an toiseach! cha téid duine glic sam bith as àicheadh; ach a dh’aindeoin sin, agus earann mhor de’n dùthaich so anns an i ’Ghailig ceud chainnt na cloinne, cha’n fhiosrach sinn gu’n deachaidh a teagasg riamh anns na sgoilean. Cha robh, a reir coltais, fhios aig luchd-riaghlaidh nan sgoilean gu robh a leithid de chainnt us Gàilig ann, agus ’s e sin is coireach moran de’n òigridh a bhi cho gann dhe’n sgoil ’sa tha iad. Is esan an duine a’s saibhre am measg an t-sluaigh a tha taingeil air son a chrannchuir fein, agus lan thoilichte leis na nithibh a ta e a’ sealbhachadh. A reir coltais, tha muinntir Armenia a dol a dh’fhaotainn ceartais. Thug an Fhraing, Ruisia, agus Breatunn an aghaidh air an t-Sultan o chionn treis a dh’ùine, ag iarraidh air laghan nan cearta dheanamh a thaobh riaghladh a chuid sin de ’Impireachd. Chuir e seachad iad cho fada ’sa b’urrainn da, ach tha iad a nise ’n deigh adh a roghainn a thoirt da; mur dean e ceartas ann an Armenia, gabhaidh iad a chùis ’nan lamhan fhéin, ’s tha soithichean cogaidh aca ri shròin gus am bagradh sin a chur an gniomh. Cha’n eil teagamh sam bith nach striochd e dhaibh an ùine glé ghoirid, agus an sin bidh ceartas air a thoirt do na Criosduidhean a tha fo ’riaghladh. Bha Eirinneach bochd ann roimhe so, agus bha e ’dol mu’n cuairt ag iarraidh oibre. Choisich e astar fada aon latha, agus mu bheul na h-oidhche ràinig e taigh osda beag ri taobh an rathaid mhóir. Chaidh e a steach dh’ fhaicinn am faigheadh e biadh feasgar, agus àite-cadail airson na h-oidhche. Thuirt bean an taighe. gu’m faigheadh e sin ach gu’m feumadh e cadal ann an seòmar beag far an robh duine dubh ’na laidhe cheana. Thuirt e gu’n robh e deonach sin a dheanamh, agus an deigh da biadh fhaighinn dh’iarr e air bean an taighe a dhusgadh moch anns a’ mhaduinn agus chaidh e d’a leabaidh. Tamull beag an deigh sin thàinig bannal bhuachaillean a staigh a bha aig a’ mhargadh, ghabh iad mòran deoch laidir agus rinn iad fala-dha feadh antaighe. Dh’amhairc iad anns an t-seomar far an robh an t-Eirinneach agus an duine dubh, thuirt aon diubh gu’n deanadh iad aodann an Eirinneich cho dubh ri aodann an fhir eile. Rinn iad mar sin, agus mar a bha e fàs anmodh dh’fhalbh iad dachaidh. Mu bhriseach na faire, dhùisg bean an taighe an t-Eirinneach agus dh’fhalbh e air a thurus. Chaidh e air aghaidh gus an d’ràinig e lochan, agus chrom e sios gu deoch uisge fionnar fhaighinn ach nuair e chunnaic e a fhaileas fein anns an uisge, leum e suas ag eigheachd “Nach b’i a bhean sin an oinseach! is e an duine dubh a dhuisg i agus cha-n e mise.” Nuair a bha am baile Frangach ris an abairear Meaus, air a ghlacadh leis am coigeamh Eanruic, Righ Shasuinn, nochd e tròcair do na h-uile Frangach a chuir sios a bhall-airm, ach nuair a chuala e gu’n robh deichnar Albannach air fhichead nam measg, thug e ordugh iadsan a bhi air am mortadh. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha, mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’n uai a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 125] [Vol. 4. No. 16. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh a mhèinn chopair onn an Coxheath a reic air rup o chionn còrr us seachdain. Chaidh a ceannach le Mr. Craig, fear de ’n chuideachd do’m buineadh i roimhe so. Tha fear Alasdair Domhnullach, a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a rinn airgead mor anns na Stàitean an deigh fearann a cheannach ann an eilean a dhùthchais, ’s e dol a chur suas cairtealan samhraidh dha fhéin air. Tha iad ag radh gu bheil teachd-a-stigh mhor aige. Bha Sàcramaid na Suipeir air a frithealadh anns an da eaglais Chléireach ’sa bhaile so, air an t-Sàbaid s’a chaidh. Bhr na seirbheisean àbhaisteach air an cumail ann an eaglais St. Andrew’s air an t-seachdain, ach a mhàin Di-luain. Bha ’n t-Urr. Mr. Forbes air a chuideachadh leis na h-Urr. Mr. Grannd á Port Morien, agus Mr. Calder á Mira. Tha litir a fhuair sinn á Ceap Nòr, ’sa bha air a sgriobhadh Di-sathairne s’a chaidh, ag innse gu’n do thuit mu dha òirleach de shneachda ann an sin Di-haoine, an latha bha ’n sneachda againn an so fhéin; an latha ’sgriobhadh an litir bha ’n talamh geal, agus gaoth mhor a’ séideadh. Cha robh iasgach de sheòrsa sam bith a’ dol air adhart. Tha ’m buntata anabarrach math anns an sgireachd air an fhoghar so. Tha fear Iain P. Morse a fuireach ann am Melvern Square, N. S., agus thog e ceud buiseal de ghràn, coirce, eòrna, ’s cruinneachd, bhar pios fearainn anns nach eil ach acaire ’s cairteal; bha sin mu cheithir fichead buiseal bhar an acaire. Thog fear eile anns an àite cheudna, ceithir fichead barailte ’sa sia de dh’ùbhlan bhar sia craobhan, còrr us sia barailtean deuga bhar gach craoibhe. Feumaidh gur àite gle thorach anns am bheil iad, agus gur fior dheagh thuathanaich iad. Chochail fear D. A. MacCuish, a mhuinntir Loch Lomond, ann an Colorado, air an treas latha dhe’n mhios so. Dh’fhag e an tigh o chionn tir miosan, air dha bhi glé thinn, an dòchas gu’m faigheadh e a shlàinte. Bha e dol am feobhas a cheud ghreis an deigh dha dhol a mach dh’an dùthaich sin, ach bha ’n tinneas tuilleadh us fad air adhart. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh le ’bhràthair, an t-Urr I. B. Mac Cuish, agus a thiodhlacadh aig Loch Lomond. Bha e naodh bliadhna fichead a dh’ aois, fo dheagh chliù, agus glè mheasail aig na h-uile bha eòlach air. Tha iadsan a tha ’gabhail orra fhéin gu’n teid aca air innse gu dé ’n seòrsa side tha tighinn, ag radh gu bheil an geamhradh so tha romhainn gu bhi glé chruaidh, gu’m bi sneachda ann bho fhior thoiseach a gheamhraidh gu meadhon no deireadh an earraich. Tha iad ag radh gu bheil gach comharra as am faodar earbsa chur a’ gealltuinn geamhradh doirbh. Co dhiu tha sin fior no nach eil b’e ’n gliocas do dhaoine bhi ullamh air a shon. Ma thig geamhradh fuar, fiadhaich, ’s math a bhi deiseil air a shon, agus ma’s ann a bhios e briagha, blàth, cha dean a bhi tuilleadh us deiseil cron sam bith. So an t-àm dhe’n bhliadhna anns am bi moran dhaoine a pàigheadh an cuid fhiachan. So an t-àm anns an còir dhaibhsan a tha gabhail a MHAC-TALLA a phaigheadh, agus dhaibhsan nach eil ’ga ghabhail cur ’ga iarraidh. Thainig bean I. Rogers, ann am Miscouche, E. P. I. ri ’beatha o chionn ghoirid, le ròp a chengal ri posta na leapa agus i-fhèin a chrochadh a mach air an uinneig. Bha a fear-pòsda air falbh o’n tigh aig an àm. Bha i leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’ aois. Tha mòran de chaise Chanada ’ga reic ann am Breatunn ’sna bliadhnaichean so, uiread ’s gu bheil tuathanaich na dùthcha sin a’ gabhail an eagal roimhe. Tha uiread càise sa mhargadh ann an Lunnuinn an dràsda ’s nach eil air ach pris bheag an taca ris a phris a bh’ air roimhe so. Chaidh ceithir fichead us deich mile dolair ($90,000) a roinn air tuathanaich Eilean a Phrionnsa ann an ceithir miosan air an t-samhradh so, leis na factoridhean càise air son bainne. Tha còig mile deug de thuathanaich air an eilean, ’s cha’n eil ach tri mile, no fear as a chòignear c creic an cuid bainne ris na factoridhean. Tha Eilean Phòil an dràsda fo chùram Iain ’Ic Leòid as an Eilean Mhòr. Tha e faotainn còig ceud dolair ’sa bhliadhna, agus tha còignear de luchd-cuideachaidh aige ri ’m fastadh air tri cheud dolair am fear. Tha aige ri frithealadh do dha thigh-sholuis, agus a bharrachd air sin ri gach cuideachadh a’s urrainn da a dheanamh le soithichean a bhios air an long-bhristeadh air an eilean. Chaidh iadsan a bha thairis air ceud bliadhna dh’aois anns an Fhraing àireamh o chionn ghoirid, agus fhuaireadh gu robh da cheud ’sa tri deug dhiubh anns an dùthaich. Bu bhoirionnaich seachd fichead ’sa seachd dhiubh, agus b’fhirionnaich tri fichead ’sa sia. Chaochail an urra bu shine o chionn ghoirid, bean a bha ceud gu leth bliadhna dh’ aois. Cha mhor nach bu dhaoine bochda iad uile. Tha earann mhòr de Ruisia aig an àm so a’ fulang le plàigh luchainn. Tha na nid aca cho tiugh anns na machraichean, ’s nach gabh treobhadh deanamh; feumaidh na treobhaichean tionndadh air falbh le sgreatachd. Tha phlàigh an deigh a leithid a dh’ uamhas a chur air an t-sluagh, ’s gu bheil iad a fàgail an taighean, ’sa’ siubhal fiach am faigh iad àite anns nach eil na beothaichean grànda gu dragh a chur orra. Tha duine mhuinntir Bhridgeport ag innse ann am fear de phaipearan a bhaile so, gu’n deach e le ’each ’s le ’charbad gu Low Point astar aona mile deug, a phàigheadh na cise, agus ’nuair a ràinig e, gu robh tigh fir togail na cise còrr us mile bhar an rathaid, agus an geat’ air a ghlasadh. Bha ’n t-each aigesan sgianach ’s cha b’ urrainn dha fhàgail aig an rathad, oir bha ’n carbad iaruinn air ais ’s air adhart gle fhaisg air an aite. B’ fheudar dha mar sin tilleadh dhachaidh, ’s tha a chis gun phàigheadh fhathast! Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 126] [Vol. 4. No. 16. p. 6] AM FEAR A RUG AN FHENNAG. LE I. B. O. ANNS AN “ARD ALBANNACH.” Chuala mi ann ag ràdh ri balachan beag a bha ag innseadh rud air nach bu choir dha tighinn thairis,—“Is math nach robh thu leam an latha a rug mi an fheannag.” Cha robh an sean-fhacal idir ùr dhomh, agus tha mi cinnteach nach mo a tha e ùr do luchd-leughaidh a phaipeir so, ach theagamh gu bheil cuid cho aineolach ’sa bha mi fhéin, an uair a chuala mi an toiseach e, mu’n dòigh anns an do sgaoil an t-iomradh mu’n fhear a rug an fheannag. Ma’s math mo chuimhne, is ann rud-eiginn mar a leanas a thachair a’ chuis. Bha da dhuine an Lathurna-iochdrach ag obair comhla air latha àraidh, agus thòisich iad air bruidhinn mu’n mnaithean-pòsda—an dàrna fear a’ seasamh nam ban, agus gu sonraichte na mna aige fhéin, an aghaidh an fhir eile, a bha ag ràdh gu’n robh iad uile tuilleadh ’s fada ’s an teangaidh, agus nach fhac’ e riamh té d’am b’ urrainn rud a chumail uaigneach. Thuirt am fear eile ris a dhol dachaigh agus Màiri a chur gu deuchainn, agus ciod sam bith a dh’earbadh e rithe, chuir e geall gu’n innseadh i do na coimhearsnaich e. Air an rathad dhachaigh dh’amais Donnachadh socharach, bochd air feannaig mharbh, agus chuir e fo a sgiobail i, a’ cur roimhe cleas a thoirt á Màiri, agus e làn chinnteach, leis cho earbsach ’s a bha e as a fìreantachd, gu’m buidhneadh e an geall air Calum. An àm dol a laidhe an oidhche sin, fhuair e an fheannag a thoirt do’n leabaidh leis gun fhios do Mhàiri. Anns a’ mhaduinn ghabh e air a bhi ro-thinn agus gun chomas cas a chur fodha. Cha robh fhios ciod a’ bha céarr, agus bha Donnachadh ann an cor truagh, agus ma bhà, bha Màiri freasdalach, caoimhneil m’a thimchioll, agus fo iomaguin chruaidh. Fad an latha bha Donnachadh eadar tinneas a’s fiabhrus; ach ma chlaonadh an fheasgair, rinn e smèideadh air Màiri gu taobh a leapaich, agus ars’ esan rithe ann an cagar—“O nach ann ormsa thainig! ciod a ni mi; ciamar a bheir mi m’ aghaidh a mach air dorus; Mo nàire ’s mo losgadh!” “Ciod air thalamh a thachair dhuit;” dh’fheoraich Màiri. “Nach mise a bhios na’m chulaidh-fhochaid ma chluinneas duine beò ciod a thàinig orm,” thuirt esan gu buaireasach. “Ciod a’ tha thu ciallachadh, a Dhonnachaidh mo ghaoil;” arsa Màiri; “ciod sam bith a th’ann cha ruig na coimhearsnaich leas fios fhaighinn air. Leig a chluinntinn ciod a rinn thu.” Tha nàire orm,” ars, esan; “an geall thu nach cluinn duine beò gu brath e na dh’innseas mi dhuit e?” “Cha chluinn gu dearbh,” arsa Màiri; “b’olc an airidh gu’n sgaoilinnse tuaileas no droch iomrndh air mo Dhonnachadh bochd—ciod a th’ann?” “Rug mi feannag,” arsa Donnachadh, agus e ga tarruing a mach bho’n aòdach; “Ciod a ni mi?” “O, mise! mise!” ghlaodh Màiri, “cuiridh sinn am falach i, agus cha’n abair sinn facal ri duine gu bràch mu’n ghnothuch, air neo faodaidh sinn an duthaich ’fhagail.” A’ chiad latha a chaidh Donnachadh a mach a dh’ obair, thuirt Callum ris, “Seadh ma ta, nach d’thuirt mi riut! Ciamar tha an fheannag? A bheil fhios agad gu’n d’innis Màiri an gnothuch do’n mhnàoi agamsa an oidhche sin fhéln m’an deachaidh i a laidhe; agus faodaidh tusa bhi toilichte mur lean an t-ainm riut cho fad ’s is beo thu—‘Am fear a rug an fheannag’.” Chaill Donnachadh còir an geall, agus dh’fheum e aideachadh nach robh Màiri aige san, math agus mar a bhà i, comasach air rud a chumail uaigneach. Sin mar thoisich an seann ràdh—“Is math nach robh thu leam an latha a rug mi an fheannag.” Slochd a Mhathain. Tha moran de dhaoine ’n latha ’n diugh dhe’n bheachd gum bu daoine borb agus claon a bh’ann am moran de na daoine a thainig do dh’ America as an t-seann dùthaich. Ach thugadh iadsan a tha mar sin a sealltuinn sios air an aithrichean fa-near nach eil an sin ach mearachd mhor, agus gur h-ann a bha na daoine còire sin treun, foghainteach, agus glé sheòlta gu faighinn troimh na cruadalan a bha riamh ri’n coinneachadh ann an dùthaich ùir. Na’m biodh aig moran dhe’n sliochd ri dhol troimh na cruadalan ceudna cha rachainn an urras gu’n deanadh iad an gnothuch a faisg cho math ’sa rinn iadsan ’nan latha ’s nan linn fhéin. Mar shoilleireachadh air a so ceadaichibh dhomh iomradh gearr a thoirt do luchd-leubhaidh a MHAC-TALLA air duine do’m b’ainm. Uilleam Grannd, a thog moran fearainn aig Loch na h-Aimhne Deas. Bha an duine còir so glé theòma, agus ro sheòlta ann a bhi ’glacadh shionnach us bhiasdan-dubha, us mhathan. An deigh dha a bhi gràinne bhliadhnaichean a’ réiteach an fhearainn, agus seilbh fhaotainn air roinn mhath de spréidh, thoisich am mathan air marbhadh nan caorach air. Bha e ’cur bochduinn mhor air Uilleam a bhi ’call a chodach mar so, agus chuir e roimhe gu’n glacadh e ’m fear a bha ris a’ chron. Rinn e crò mor do na caorach aig beul na coille. Aig dorus a chrò so, rinn e fhéin ’sa mhic, le moran saothair, slochd mor a chladhach anns an talamh còig troidhean-deuga a dhoimhnead. Chòmhdaich e beul an t-sluichd le ’fiodh, agus toll na mheadhon sin, anns ’n do chroch e còmhla air déile (axle) a chuireadh car dheth na’n rachadh beanalt dha. Chuir e na caoraich anns a’ chrò, agus dùnadh math air a chum ’s nach faigheadh iad a mach. Thug e ’n sin fa-near fiodh a chàradh aig taobh a mach an tuill, air am feumadh am mathan leum thairis; agus ’nuair a dheanadh e sin thigeadh e le ’uile chudthrom air a chòmhlaidh a bh’air beul an t-sluichd. Bha nis gach ullachadh deas, agus chaidh Uilleam ’s na gillean dhachaidh, agus ghabh iad mu thàmh ann an làn dhòchas gu’n tigeach mo laochan a shireadh a shuipearach. ’Sann mar sin a bha. Gu math tràth ’sa mhaduinn bha Uilleam air a chois, agus ghreas e mach gun ad gun bhoineid a shealltuinn an t-sluichd. Cha b’fhada gu’n do phill e thun an taighe, agus an naigheachd thaitneach aige gu robh fear-sgrios nan caorach anns an t-slochd. Chuir e na gillean air falbh a thoirt fios do na coimhearsnaich mu’n phriosanach a bha aige, agus chruinnich daoine as gach cearna g’a fhaicinn. Bha ’m beothach uamhasach sin anns an t-slochd, a shùilean na’n teine, agus an caothach air gu faighinn a mach. B’e mo thruaighe an duine no ’m beothach a gheobhadh e ’na inean. Tha e air innseadh gu robh ’a bhéist a’ leum cho àrd ’s gu robh e faighinn a spògan ’sna maidean a bh’air beul an t-sluichd. An deigh dha greis a thoirt ’ga pheanasachadh fhein mar sin, rinn am beothàch truagh crùban ann an grunnd an tuill, agus cha ghluaiseadh e á sin a dh’aindeoin dé dheanadh iad ris. Mu dheaadh chuir iad as dha le urchair a chur ’na cheann, agus shlaod iad a mach e le cromagan ’s le ròpan. Thugadh am bian dheth, ’s rinneadh ùilleadh dhe’n t-saill. Fhuair caoraich a Ghranndaich agus caoraich dhaoin’ eile cead an coise an deigh sin, agus ’s minig a chualas Uilleam fhéin ag innse na sgeul so do’n òigridh, ’s e ’call a lùis a gàireachdainn. Is mise do charaide dileas. AN TUATHANACH RUADH. Loch na h-Aimhne Deas, N.S. [TD 127] [Vol. 4. No. 16. p. 7] Anns an t-Suain, tha dotair no lighiche anns gach sgireachd dhe’n dùthaich, ach cha’n eil iad a faotainn tuarasdail iair. Cha mho a dh’iarras iad duais air duine air am bi iad a frithealadh, biodh an duine bochd no beeairteach. An aite sin, tha gach duine ’san sgireachd, air an latha mu dheireadh dhe’n bhliadhna, a cur na’s urrainn dha sheachnadh ann an litir ’s ’ainm fhéin ’na broinn, agus ga cur dh’ionnsuidh an dotair le sgalaig. Thig an sgalag dhachaidh le litir dh’ionnsuidh an duine, agus ainm an dotair ’na broinn; tha sin ag innseadh gu’n d’fhuair an dotair an t-airgead, ’s cha bhi ’n corr mu dheobhain. Ged nach cuireadh duine sgilinn idir da ionnsuidh, ma thig tinneas ’na rathad air an ath bhliadhna, ni an dotair cho math ris ’s ged a b’e bhiodh ’ga chumail suas. Cha’n eil e dad na’s fritheiltiche air an duine bheairteach na tha e air an duine bhochd. Tha àireamh mhòr de chòtaichean uachdair aig D. J. Domhnullach air fhaighinn a stigh. Tha iad na’s saoire ’s na’s fhearr na gin a bha aige riamh roimhe. Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 128] [Vol. 4. No. 16. p. 8] REIS NA DUNICH. LE DOMHNULL DOMHNALLACH AN TIRITHE. Air do Niall Mac-Gillemhaoil a bhi tighinn dachaidh as a mhuileann, agus e ’na sheasamh anns sa’ chairt, ghabh an t-each sgaoim, agus thuit e-fhein agus gille de chlann Mhic-Faidein a bha comhla ris a mach aisde. Na’m b’ fhior am bard bha Niall ann an cunnart bais, agus e-fhein fo mhoran trioblaid air a shon. Tha fleasgach ’sna bailtean s’ ’Tha tuilleadh is sgairteil, Theid ainm air am mach do Dhuneideann; Bho ’n ghlac thu ’n lair Shas’ nach ’Sa chaidh ’thu g’a marcachd, Gu’n d’spealg thu a chairt ann sna speuraibh; Fear Ghrianail tha ’gearan,— Dh’fhalbh m’ aobharrach gearrain A dheanadh dhomh ’m fearann a reubadh; Cha ’n ’e tha mi ’g aireamh Ach thusa Mhic-Faidein ’Bhi ’n cunnart a bhas le do chreuchdan. Tha fios aig gach duine Gu’n robh agam sa curaidh, Mu ’n deachaidh e ’chumail na reise, Fear ard ann an urram, ’S gu ’n coisneadh e tuilleadh, ’S a mhisneach gu h-uille d’a reir sin. Bha thusa gu sgairteil A’ d’ sheasamh ’sa’ chairt, Is tu ’glaodhach nach gabh sibh ratreuta, ’N uair ’thog an lair bhras ud ’S na speuraibh a casan, ’Sa thuit thu am mach as a chebhi. Gur muladach sinne Ri ionndrainn a ghille, ’S nach robh air a chinneadh cho gleusda, Bha spionnadh ann ’s cruadal Gu buillean a bhualadh Air daoine bhiodh duabhal ’san leig so. Ged thugadh dhuit masladh, Bha uaisle ’n ad phearsa, ’S tu ’sheasadh air faiche nan ceudan. Is bochd dhuinn gu ’n danaig A bhruid ud do ’n aite ’S gu’n d’ chuir i ’n t-og alainn bho fheum oirnn. Bha uaislean fo churam, ’Cur litrichean ura, Dh’fheuch c’ait a bheil cungaidh ni feum dhuit Chuir uachd ’ran na duthch ’thugad Pronnasg is fudar Gu neart ’chur a’ d’ ghluinean ’s ’ad shleisdean; Fear Sgairinnis tha ’g radh, Cuiridh mis’ thuige cal, ’s ni Sin pleistear a thairneas ’sa leigh’seas; Fear Ghrianail bheir posd’ dhuit, Ged chaill e gu goirt riut; Cha leig e air bochdainn na deirc’ thu. Gu de ni dhuinn tuilleadh ’Bhi leughadh ar cunnairt, Bho ’n chuala gach duine mar dh’eirich Do ’noigear cho ullamh ’S tha ’n taobh so ’Chaol Muile; Co sheasadh ri d’ bhuille ’n am streupa? Am fear thigeadh dluth dhuit Gu aimhreit a dhusgadh, Bu luath bhiodh a shuilean gun leirsinn: Ged dh’ fhagadh cuid shios thu Le farmad ’s le miorun Gu’n dugainn-s’ a nios thu thar cheudan. An la chaidh thu mach bhuainn Le d’ charbad ’s le d’ chapull, ’S ann riut nach do thachair an t-eibhneas! Rinn Longlin dhuit carnan, Cha sgaoilear gu brath e, Bu ghoirt mar a bha thu gun leirsinn. Gur h-iomadh te bhoidheach ’Tha muladach bronach Bho ’n fhuair thu na leoin ’chur bho fheum thu; ’S tha ’n righ ann an Lunnainn, Gach latha fo mhulad Bho ’n chual’ e mu d’ chunnart, a threun fhir. Gur mise bhiodh socrach Nan doireadh e posd’ dhuit, A’ d’ cheannan air thoiseach nan ceudan; Bu leat beannachd gach duine ’N am falbh air do thuras, Air cheann do laoich ghuineach nach geilleadh. ’Nuair ’thilleadh tu dhachaidh An deigh ’bhi ’sna baiteil, Bhiodh or bhroilleach fasant’ mu t’ eideadh. Bhiodh ol ann san tir so Air bhotlaicihbh fiona, ’S tu fhein nach biodh spiocach mu’n deibhinn Ach coma leam briagan, Cha bhi mi ’g an dianamh, ’S e so an ceann tiar a tha deurach; Bho ’n chaill iad an griasaich’ A thairneadh na h-iallan ’S nach faigh iad an t-iasgach air eigin. Ged cheannaicheas mi tarruing, Co shessg ’ga h-aire, ’S nach ’eil ach an anail san treun-fhear; Cha dean e car cruadail No piocaich a bhualadh, Co shadns mu chluasan a cheil’ iad? Ach ’s coir dhuinn bhi toilicht, Fhad ’s bhios e mu ’r coinnimh Thig meas agus onair do’n leig so. Ma thig maid’ air an traigh so, Bidh fios aig mo ghradh air, Fhuair mise blaigh bata le d’ gheire; Is shlaod sinn e dhachaidh Le innleachd ’s le tapadh; Cha mhor ’bh’ann sna bailtean a dh’ eirich; Am maor thuirt ’sa’ mhadainn Is leat na bheil agad Ach fiach nach dig tagar na dheigh ort. Fo eagal cha bhitheadh Tu fhein, a mhic cridhe, Ged thigeadh an tighearna fhein oirnn, Cill-mo-Lubhaig is Cailean Is dusan a bharrachd, Gu’n tilleamaid falamh gu leir iad. Bhiodh fudar cruaidh ullamh ’Cur luaidhe a gunna, Is dheanamaid fuil agus reubadh; Gu ’m faiceadh do shuil iad A’ teicheadh gu dluth, Mar ghabh cuideachd a’ Phrionnsa ratreuta. A reir lagh ùr a tha air a dheanamh ann an Norway cha’n fhaod nighean pòsadh gus teid aice air còcaireachd, sniomh, agus figheadh a dheanamh. Tha cead sgriobhte air a thoirt dhaibhsan a tha math air na tri nithean sin, agus as aonais a chead sin, cha’n fhaod gin dhiubh pòsadh. Ged is iomadh Diùc a tha ann am Breatunn, cha’n eil gin ’na’m measg aig a bheil iar-ogha ach Diùc Richmond leis fhéin. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 129] [Vol. 4. No. 17. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 2, 1895. No. 17. Turas do Eilean Prionnsa-Eideart. LEIS URR. CALUM MAC LEOID. Chionn ’s gu’n robh exhibition anns a bhaile air na làithean ud, bha na taighean òsda làn sluaigh, ach bha sinne cho sealbhach s gun d’fhuair sinn leaba shuas ann am mullach aon dhiubh. Air an ath mhaduinn ghabh sinn an carbad smùide gu stannadh Braidalbainn, naoidh mile fichead mach a Charlottetown air an rathad iaruinn. Bha mòran charbadan ann an deigh a chéile agus iad lum lan sluaigh; agus bha da each-iaruinn ga’n taruinn. ’Nuair a ràinig sinn Braidalbainn bha Mr. Mac Neacail, agus Mr. MacLeòid a feitheamh ruinn le da each agus da bhuagan. Thug iad sinn dh’ionnsaidh an taighean féin agus ghabh sinn ùrachadh ann sin mas deacha sinn do’n eaglais. B’e so Di-haoine na “ceisd” agus mar sin cha robh mòran again ri dheanamh ach bhi ’g eisdeachd. Thug aon do na “bràlthrean” seachad mar bhonn ceisd, Eoin, 1:47, “Feuch Isreileach da rireadh anns nach eil cealg.” Labhair na “seanairean” gu h-òrdail, tuigseach, mu thimchioll suidhichean agus faireichean na muinntir a rinn gràs nan Israileich da rireadh agus anns nach eil cealg. Bha seirbheis Bheurla ’san eaglais feasgar; agus air Di-sathuirne bha Bheurla agus a Ghàidhlig’ sa mhaduinn agus feasgar ’san eaglais, ach air an t-Sàbaid bha Ghàidhlig ’san eaglais agus a Bheurla ann an talla mor a bha ri ’taobh, a ghabhadh mu thri chiad duine. Bha an da thaigh làn, araon anns an mhaduinn agus anns an fheasgar. Shuidh moran sios aig Bòrd an Tighearna, agus bha stòldachd iongantach air an t-sluagh fad nan seirbheisean uile. Tha aobhar a bhi creidsinn gu’n robh an Tighearna a beannachadh ’Fhirinn agus òrdughain féin do mhoran nach d’fhuair misneachd gu suidhe sios aig a bhòrd cho cinnteach agus a bha E do’n mhuinntir a bha nan suidh an sud. Bha seirbheis ghoirid, ’san dà chainnt anns an eaglais air Di-luain, agus mar sin chriochnaich an t-seirbhis agus sgap an sluagh gu cruinneachadh uile rìs air latha mòr a mhòid. Tha cothional Strathalba na chothional mor, agus tha roinn mhor dhe’n t-sluagh gu math air an dòigh. Tha aon duine ann a thug mile dollar air an t-samhradh sa chaidh air son craobh-sgaoileadh an t-soisgeul. Tha Mr. Caimbeul a deanamh saothair mhor nam measg agus tha an Tighearna a beannachadh a shaothair. Tha an sluagh glé mhiosal air, agus is còir dhaibh sin. Tha e na dhuine glic, foighidneach, gu riaghladh cùisean a cho-thionail. Tha e ann an suidheachadh crannchur a tha glé thaitneach. Tha manse comhfhurtail agus teaghlach eireachdail aige. Tha triùir nighean agus aon mhac aige chuireadh tlachd air àite sam bith anns am biodh iad. Bha sinn duilich ’n àm bhi ga’m fàgail nach b’urrainn sinn an taghal ni bu trice. Tha cothrom mor aig tuathanaich an Eilean so nach eil aig tuathanaich Cheap Breatuinn. Tha fearainn mhatha, saor bho chloich, agus furasta an oibreachadh aca. Agus bho chionn ùine fhada gus an nis cha rodh cìs-fhearainn aca ri phàidheadh, agus a nis féin cha ’n fhiach na tha aca ri phàidheadh a bhi bruidheann air. Tuathanaich chothromach a pàidheadh a dha no tri dhollair, ’n uair dh’fheumas an seòrsa ceudna ann an Ceap Breatuinn pàidheadh o choig-deug gu fichead dollar sa bhliadhna. Tha rìs na ròidean mor aca cho math, agus cho saor bho chlochan ’s gu’n seas innealan ròidean agus cruidhean each a thri fhad ’sa sheasas iad an Ceap Breatuinn. Na’m biodh margaidh math aca air son a bharra dh’ fhaodadh iad bhi na’n daoine beairteach, ach cha’n eil sin aca. Ach air eagal gu sgithich mi luchd-leubhaidh a’ MHAC-TALLA feumaidh mi greasad dhachaidh. Thainig sinn air ais gu Charlottetown feasgar Di-màirt agus bha sinn aig ceud shuidh an t-Seannadh. Dh’fhosgail an t-seirbhis le searmoin soisgeulach leis an Olla P. W. Moireastan, ceann-suidhe ’n t-Seanadh air a bhliadhna chaidh seachad, o’n earrann, “Tha gradh Chriosd gar co-eigneachadh” (2 Cor. 5:14) Agus an deigh gairm an Rola, agus ainmeachadh na’n atharraichean a ghabh deanamh ann an co-cheangal ris re na bliadhna an taobh stigh do chriochan an t-Seanadh, chaidh an t-Urr. Seumas Mac Griogair Mac Aoidh a thaghadh mar cheann-suidhe do’n t-Seanadh air son na bliadhna so, agus cha b’urrainn iad neach a thaghadh bu fhreagarraiche air son na dreuchd. Cha cheadaich ùine dhomh ni sam bith a radh mu na bha air a dheanamh leis an t-Seanadh ach a mhàin so; Gu’n robh na h-uile ni air a dheanamh “gu deagh mhasseach agus a reir orduigh.” Dh’fhag sinn Charlottetown air maduinn Diar-daoin agus bha sinn air an ath mhaduinn ann am Baddeck, agus mu mheadhon na h-ath sheachduinn rainig mi dhachaidh slàn fallain. C. M. L. Tha’n Fhraing an deigh greim a dheanamh air Madagasgar, ’s a réir coltais ’s leatha ’n t-eilean sin o’n àm so mach. Rainig a h-armailtean an ceanna-bhaile o chionn còrr us mios, agus thug iad fo chis e an ùine glé ghoirid. Rinn fiabhrus a tha gle buailteach do dhaoine geala anns an dùthaich sin, sgrios mor ’nam measg, cho mor ’s gu robh cuid a cur air mhana dhaibh nach toireadh iad a mach an t-eilean idir; ach cha robh sluagh na duthcha a’ deanamh dichioll mor sam bith air grabadh a chur orra, agus mar sin fhuair iad air adhart, uidh air ’n uidh, gus a nis am beil an t-eilean gu h-iomlan aca fòpa. Tha àireamh mhòr de chòtaichean uachdair aig D. J. Domhnullach air fhaighinn a stigh. Tha iad na’s saoire ’s na’s fhearr na gin a bha aige riamh roimhe. [TD 130] [Vol. 4. No. 17. p. 2] CLANN ’IC-CRUIMEIN, PIOBAIREAN DHUN-BHEAGAIN. Cha robh Pìobairean ann an Albainn cho ainmeil ri Cloinn ’ic Cruimein an Dùin. Fad iomadh linn bha iad ’n am pìobairean aig cinn-fheadhna nan Leòdach. Tha iad ag ràdh gu ’n d’ thàinig a’ cheud fhear de ’n ainm so maille ri Mac Leòid o bhaile anns an Eadailt d’ am b’ ainm Cremona. Bu chruitear a bha ’s an duine so. Bha e ’n a fhear-ciùil ainmeil ’n a latha ’us ’n a linn féin. Ghabh e ainm an àit’ anns an d’ rugadh e; agus na thainig uaithe, dh’ ainmicheadh iad, Clann ’ic-Cruimein. Bha Clann-’ic-Cruimein ’n am pìobairean cho ainmeil ’s gu-n robh oil-thigh air a thogail leo, do’n robh uaislean agus cinn-fheadhna na Gàidhealtachd a’ cur an luchd-ciùil a chum am fòghlum. Bha baile ris an canar Boraraig, a tha dlùth do Dhun-bheagain, aca gun mhàl, a tha ’nis a’ pàigheadh ceud punnd Sasunnach, a bharrachd air iomadh sochair eile. Chithear fhathast làrach an tighe anns an robh Clann ’ic-Cruimein a chòmhnuidh, an lagan réidh ’s am b’ àbhaist do na pìobairean òga ’bhi ’cluich; agus am b’ àbhaist doibh, ri droch latha, fasgadh ’iarraidh. ’S e b’ ainm do ’n cheud Phìobaire dhiubh so, Iain Odhar. Bha mac an duine so, Dòmhnull Mòr Mac-Cruimein, ’n a fhear-ciùil cho ainmeil ’s a bha ’s an rìoghachd, agus chluich e ann an Sasunn ’s ann an Eirinn, ’an làthair mhaithean agus uaislean na rìoghachd le mòr urram. Bha mac an duine so, Pàra Mòr, cho ainmeil r’a athair. Chuir e r’a chéile barrachd de phuirt phìobaireachd na aon duin’ eile air am bheil cunntas againn. Chaidh e latha àraidh do ’n eaglais le ’ochdnar mhac r’a ghualainn, òganaich cho eireachdail ’s a sheas riamh air bonn bròige; ach mu-n d’ thàinig deireadh na bliadhna, chàirich e seachd dhiubh fo ’n fhòid ann an clachan Chille-Mhoire. ’S ann air an àm sin a chuir e r’a chéile ’m port tiamhaidh muladach, ris an canar “Cumha na Cloinne.” A mhac nach do chaochail, Pàraig òg, cha robh e mar phìobaire air deireadh air càch. Chuir esan, mar an ceudna, r’a chéile iomadh port binn. Bha e dà uair pòsda, agus rugadh fichead duinne cloinne dha. Bha a chuid mac ’n am pìobairean ainmeil, ’s ’n an daoine treuna foghainteach. Dh’ fhàg e dithis mhac, Calum agus Dòmhnull. Cha do chaochail Calum gus o chionn ghoirid. Chaochail am fear mu dheireadh de na pìobairean ainmeil so anns a’ bhliadhna 1822, ’n uair a bha e a h-aon-deug agus ceithir fichead bliadhn’ a dh’ aois. ’N uair nach b’ urrainn da le laigsinn na h-aoise, a’ phìob-mhòr a chluich shuidheadh e ann an lagan fasgach ri cùl gaoithe ’s ri aodann gréine, le bata ’n a làimh, agus e ’ruith thairis air le ’mheuraibh, agus le crònan muladach, chluich e mar so na puirt a b’ àbhaist da ’chluich ’n a òige. Chuireadh fo ’n fhòid e maille r’a shinnsiribh ann an cladh Chille Mhoire. Mur ’eil leac-lighe air a càradh thairis air na daoine ainmeil so, a bha cho cliùiteach air son an treuntais, am fearalachd agus an deadh ghiùlain ’s a bha iad air son an cùil, cha-n ’eil e ’n a ghnothuch cliùiteach do na Sgiathanaich, no idir do na Leòdaich. Ann an linn Rìgh Tèarlach a’ Dhà, bha MacLeòid Dhun-bheagain agus Tànaisteir an teaghlaich, fear Thalasgair, ann an Sasunn far an d’ rinneadh Ridirean dubh leis an Rìgh, (Sìr Tormoid an Dùin agus Sìr Ruairidh,) anns a’ bhliadhna 1651. B’e Pàra Mòr Mac Cruimein a bu phìobaire dhoibh air an àm sin, agus bha e maille riutha. Thugadh ’an làthair an Rìgh e, far an do chluich e cuairt. Bha ’n Rìgh cho toilichte ’s gu-n do cheadaich e do Phàra Mòr a làmh a phògadh—onoir nach do chuireadh roimhe sin no ’n a dhéigh air pìobaire riamh! ’S ann air a’ chòmhdhail so a chuir e r’a chéile ’m port nuallanach, uaibhreach, binn ris an canar. “Thug mi pòg do làimh an Rìgh.” Tha focail air an cur ris a’ phort so ’s a’ Ghàelic:— “Thug mi pòg, ’us pòg, ’us pòg Gu-n d’ thug mi pòg do làimh an Rìgh: ’S cha d’ chuir gaoth ’an craicionn caorach, Fear a fhuair an fhaoilt ach mi.” ’S e Dòmhnull Bàn Mac-Cruimein a chuir r’ a chéile ’m port iomraiteach tiamhaidh sin ris an canar, “Cha till Mac-Cruimein.” ’N uair a chaidh Mac Leòid Dhun-bheagain a mach bliadhna Thèarlaich leis an arm-dhearg, bha a’ chuid a bu lìonmhoire de ’n chinneadh ’n an cridheachan le Tèarlach agus na-m b’ urrainn iad, ’s esan a leanadh iad. B’ ann ’s an rùn so ’bha Mac Cruimein. Mu-n d’ fhag iad an Dùn thubhairt Mac Cruimein gu-n robh fhios aige nach tilleadh e tuilleadh, agus an latha ’thog na Leòdaich orra ’mach o Dhun-bheagain, agus mnathan na tìre ’gul ’s a’ caoidh, ’s ann an sin a chluich e ’m port-tiamhaidh, brònach sin, “Cha till mi tuilleadh,” agus b’ fhior mar thubhairt e; anns a’ cheud bhlàr anns an robh e thuit e, agus cha do mharbhadh duine ach e fhéin. Bha leannan aig Dòmhnull Bàn ’s an Dùn. ’N uair a chual’ i ’m port, chuir i na briathran a leanas r’a chéile: ’s airidh iad air àite ’s a’ Chuairteir, Dh’ iadh ceò nan stùc mu aodann Chuilinn, ’Us sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid, Tha sùilean gorm ciùin ’s an Dùn a’ sileadh, O’n thriall thu bh’ uainn ’s nach till thu tuilleadh. Cha till, cha till, cha till Mac-Cruimein, ’An cogadh no sìth cha till e tuilleadh; Le airgiod no ni cha till Mac-Cruimein, Cha till gu bràth gu là na cruinne, Tha osag nan gleann gu fann ag imeachd; Gach sruthan ’s gach allt gu mall le bruthach; Tha ialt’ nan speur feadh gheugan dubhach, A’ caoidh gu-n d’ fhalbh ’s nach till thu tuilleadh. Cha till, cha till, &c. Tha ’n fhairge fa dheoidh làn bròin ’us mulaid, Tha ’m bàta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal; Tha gàir nan tonn le fuaim neo-shubhach, Ag ràdh gu-n d’ fhalbh ’s nach till thu tuilleadh. Cha till, cha till, &c. Cha chluinnear do cheòl ’s an Dùn mu fheasgar, ’S mac talla nam mùr le mùirn ’g a fhreagairt; Gach fleasgach ’us òigh, gun cheòl, gun bheadradh, O’n thriall thu bh’ uainn ’s nach till thu tuilleadh. Cha till, cha till, &c. Theagamh gur e “Cumha Ruairidh Mhòir,” am port a’s binne agus a’s muladaiche, agus uile gu léir a’s fearr a tha ’leigeil ris tur-bhròn an duine ’chuir r’a chéil’ e, ’tha againn air mhaireann. Rinneadh am port so le Mac-Cruimein. B’e Ruairidh Mòr an ceann-feadhn’ a b’ àirde cliù ann an Gaidhealtachd Alba air son òirdheirceis, eireachdais, agus fialachd a thighe. ’Se thog tùr àrd chaisteil Dhun-bheagain. ’N uair a chaochail e, ghrad thog Mac-Cruimein air—cha b’ urrainn da fantuinn na b’ fhaide ’s a’ chaisteal—dh’ fhalbh e dh’ ionnsuidh a thighe [TD 131] [Vol. 4. No. 17. p. 3] féin ann am Boraraig;—agus an uair a dh’ fhàg e’ n Dùn shéid e suas CUMHA RUAIRIDH MHOIR. Tog arm mo phiob ’us théid mi dhachaidh, ’S duilich leam fhéin, mo léir mar thachair: Tog orm mo phiob ’us mi air mo chràdh Mu Ruairidh Mòr—mu Ruairidh Mòr. Tog orm mo phiob—tha mi sgith ’S mur faigh mi i—théid mi dhachaidh; Tog orm mo phìob—tha mi sgìth ’S mi air mo chràdh mu Ruairidh Mòr. Tog orm mo phìob—tha mi sgìth, ’S mu faigh mi i—théid mi dhachaidh Clàrsach no pìob cha tog mo chrìdh’ Cha bheò fear mo ghràidh, Ruairidh Mòr. Tha mòran de na Cinn fheadhna Ghàidhealach a nis suarach mu phìobaireachd agus mu chleachdaidhnean nan daoine treun’ o’n d’thàinig iad. ’S mìlse ’n an cluasaibh mèilich chaorach mòr, agus Beurla nam buachaillean Gallda, na ’n ceòl a’s binne ’thogar le pìob clàrsaich; ach tha fhathast feadhainn ann aig am bheil meas orra, ’s cha ’n iongantach leinn. TORMOID MAC LEOID. FIOR DHILLSEACHD. Thachair dhomh a bhi ann am baile Dhuneideann o chionn ghoirid a’ cur seachad feasgar Sathurna le m’ dheagh charaid Domhnull-og Charba—is aithne dhuit e. Ann an nochdadh dhomh iongantasan an aite thug e mi a dh-amharc carragh-cuimhneachain a bha air ’ur thogail ann an teas-meadhon a’ bhaile agus anns an do ghabh mi mor thlachd. Bha an carragh mu sheachd triodhean air airde air a shnaidheadh gu maiseach—an t-iochdar aige air cumadh mèis eireachdail agus i a ghnath lan agus a’ sruthadh thairis le uisge, agus air a ciallachadh mar aite-òil do choin a’ bhaile. Mu thuaiream thri troidhean os a chionn so bha mias eile agus i mar an ceudna a’ cur thairis le uisge fiorghlan. Ag eirigh as a’ mheis so bha carragh caol, agus air a mhullach dealbh abhaig bhig, mholaich, cho riochdail ’s a chunnaic mi riabh. Bheireadh tu do mhionnan gu’n robh i beo—cha mhor nach tugadh tu ort fein a chreisdsinn gu ’n robh thu a’ faicinnn a fionnaid fada a crathadh anns a’ ghaoith. “Co airson idir a tha an carragh so?” arsa mise. Thug Domhnull m’ an cuairt mi thun an taoibh eile; leugh e anns a’ Bheurla agus dh’eadar-theangaich e dhomh mar a leanas an sgriobhadh a bha an sin air a ghearradh gu snasmhor air clar umha:—“Mar chuimhneachan air treibhdhireachd dhileas Ghreyfriars Bobby. Anns n’ bhliadhna 1858 lean an cuilein caomh so corp a mhaighstir do chladh Greyfriars agus dh’ fhuirich e mu ’n uaigh gus an d’ fhuair e bas anns a’ bhliadhna 1872. Air a chur suas leis a’ Bhan-Ridir Burdett Coutts.” Is iomadh uair a chuala mi iomradh air bron airson chairdean, agus air luchd-tuiridh a bhi ’tighinn an drast ’s a rithist a shileadh dheur air uaighean na muinntir a bu toigh leo; ach thug so barr air na chuala mi riamh; agus tha mi ag aideachadh gu ’n do thiomaich mo chridhe an uair a chuimhnich mi air a liughad latha fuar agus oidhche fhliuch a chuir an creutair bochd thairis air an lar lom a’ feitheamh ’s a’ faireadh gun stàth airson ath-thilleadh a mhaighstir. Nach mor am peacadh do dhuine am bith a bhuineadh gu bruideil no gu h-an-iochdmhor ri ’leithid so de chreutair? agus an deigh sin uile, nach minig a tha sinn a’ gnathachadh gu cruaidh ar seirbhisich cheithir-chasach nach urrainn gearan no monmhor a dheanamh, ach, ma dh’ fhaoidte, bhois na ’s duileadh air ar son an uair a dh’ fhalbhas sinn na ar luchd-daimh a’s miodalaiche umainn am feadh a tha sinn beo. Fhuair mi mach gu ’m bu dhuine fior bhochd a bha ann am maighstir a’ chuilean bhig so; cha robh leachd no ainm air ’uaigh; dhi-chuimhnich gach duine a bhuineadh dha c’ aite an robh e air a charamh; ach bha aon charaid aige e bha dileas; a chompairtich d’ a bhochdainn ’n uair bu bheo e; a lean gu tursach e thun na h-uaighe; agus, a chionn gu ’n robh e nis gun dachaidh—gu n do chaill e aon a bha caoimhneil ris, ’s nach robh e coltach gu ’m faigheadh e a leithid de mhaighstir tuille,—a chuir roimhe nach treigeadh e an uaigh, ach gu ’m biodh e dluth, gun fhios nach cuireadh a charaid feum air. Bha na coimhearsnaich math do ’n chuilein, a’ toirt bìdh dha gach latha. Dh’ fheuch cuid diubh ri a thaladh air falbh, agus chaidh iad cho fada aig aon am agus, airson truais, gu ’n d’ thug iad a stigh fo fhasgadh e ri aimsir fhuair, fhliuich, ach cha robh e idir toilichte; cho luath ’s a fhuair e mar sgaoil thug e an cladh air, agus o’n am sin, fad cheithir bliadhna deug, a gheamhradh no ’shamhradh, cha do chuir e seachad oidhche air falbh o uaigh a mhaighstir. Bhagair an luchd-cise o chionn bheagan bhliadhnaichean gu ’n tugadh iad air an fheadhainn a bha a’ beathachadh a’ choin a’ chis a phaigheadh air a shon, ach, do bhrigh nach b’ urrainn doibh a radh gu ’m bu le duine air bith an cuilein,—ged a bha na ficheadan deas gu paigheadh seach gu ’n rachadh beantainn ris—cha do chuireadh cis air duine air a shon, agus fhuair e cead a dhachaidh a dheanamh anns a’ chladh, far an do bhasaich e, mar a thuirt mi, anns a’ bhliadhna 1872. MAC-MHARCUIS, ’sa Ghaidheal, 1873. CHA ROBH ’N CORR A DHITH AIR:—Bha tuathanach a còmhnuidh ann an siorramachd Inbhirnis aon uair, a bha ’na dhuine mòr calma, tosdach, agus b’ e an gleachdair a b’ fhearr a bha anns an dùthaich. Bha a chliu air a sgaoileadh feadh uile chearnan na dùthcha agus ràinig e Sasunnach àraidh a bha air turus ann an Albainn. A nis, bha an Sasunnach ’na dhuine mòr agus shaoil leis gu ’n deanadh e an gnothuch air a’ Ghàidheal. Mharcaich e a dh’ ionnsuidh an achaidh far an robh an tuathanach a’ treabhadh, cheangail e ’each ri craoibh agus thuirt e ris a’ Ghàidheal, “A charaid, chuala mi mòran mu do dheibhinn agus thàinig mi dh’ fheuchainn cò am fear a’s treise dhinn.” Cha d’ thuirt an Gaidheal facal, ach ghlac e an Sasunnach mu mheadhon a’ chuirp agus thilg e a mach thariris air a’ ghàradh e, agus chaidh e féin air aghaidh le ’chuid oibreach. Dh’ éirich an Sasunnach an ceann beagan mhionaidean, agus sheall e thairis air a’ ghàradh. Chunnaic an Gaidheal e, agus thuirt e ris “Am beil feum agad air ni sam dith eile?” “Tha,” ars an Sasunnach, “Bithidh mi fada nad chomain ma bhitheas tu cho math ’s gu ’n tilg thu m’ each gam’ ionnsuidh.” Bha Réiseamaid Albannach anns an fheachd Fhrangach mu ’n bhliadhna 1661 do ’m b’ ainm “na h-Albannich Roighail,” agus bha a’ chiad chuideachd diubh sgeadaichte anns an éideadh Ghaidhealach. [TD 132] [Vol. 4. No. 17. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 2, 1895. Ged nach eil cogadh a’s fhiach a’ dol air adhart aig an àm so, tha troimhe-chéile gu leòr aca anns an Roinn-Eòrpa, ma’s fior gach fathunn a tha tigh’n a nall. Tha Breatunn an sàs ann a dha no tri dh’ àiteachan. Tha a cuid fhéin aice dhe’n strith a th’ aig na rioghachdan eile ris an Tuirc; tha tuasaid bheag eadar i-fhéin agus Venezuela, an ceann a deas America; tha tuasaid dhe’n t-seòrsa cheudna eadar i agus righ Ashantee anns an Asia; agus a bharrachd orra so uile, tha Ruisia agus Sina an deigh còrdadh a dheanamh ri chéile a thaobh cùisean anns an àride near, còrdadh, ma sheasas iad ris taobh air thaobh, a chuireas dragh mor air Iompaireachd Bhreatunn anns na criochan sin. Ma thig da rioghachd sam bith gu bhi cho naimhdeil da chéile ’s gu ’m feum iad a dhol a chogadh, ’s cinnteach an ni gu’m bi a chuid mhor de na rioghachdan eile air an tarruinn a stigh mu’n tig crioch air an iomairt; agus ma thig Breatunn us Ruisia gu buillean, bi’dh an cuid fhéin dhe’n obair aig càch ri dheanamh. Ach ’s ioma neul dorcha cogaidh a bha daoine faicinn san adhar chionn deich no dusan bliadhna, ’sa chaidh thairis gun olc sam bith a thigh’n asda, agus tha sinn an dòchas gur ann mar sin a ni am fear so cuideachd. Ni an saoghal an gnothuch gle mhath as aonais cogaidh. Bha ’n talamh geal le sneachda ann an Alba ’s an ceann a Niar Shasuinn, toiseach na seachdain s’a chaidh. Aig an àm cheudna, bha ’n duilleach air na craobhan a cheart cho gorm ’sa bha iad toiseach an fhoghair. Clann ’Ic Fhionnlaidh. Bha cruinneachadh bliadhnail Chlann ’Ic Fhionnlaidh (Clan MacKinlay) air a chumail ann an St. Louis, Missouri air an t-seachdamh latha deug de mhios meadhonach an fhoghair. Bha ’n Dotair L. D. Mac Fhionnlaidh, a bha air a thaghadh gu bhi ’na cheannfeadhna an uiridh, anns a chathair. Tha Uilleam E. W. Mac Fhionnlaidh, à Ottawa, Illinios, air a thaghadh gu bhi na fhear-eachdraidh do’n fhine. Is meur de Chloinn ’Ic Fhearchair fine chloinn Fhionnlaidh. Thainig iad o Fhionnladh Mòr Mac Fhearchair a bha ’n Inbhercauld. Tha mu mhile de’n fhine so air am bheil fhios aig an fhear-eachdraidh, agus ma tha ’n còrr dhiubh ann bu mhath leis cluinntinn uapa, oir tha toil aige eachdraidh na fine a bhi cho iomlam ’sa ghabhas deanamh. Cha cheadaich Diùc Earra-Ghàidheal do dhuine sam bith tigh ùr a thogail ann an Ionar-Aoraidh, ’s cha mhò na sin a thogas e fhéin gin. Tha chuid a’s mo de na taighean a th’ ann aig an àm so còrr us ceud bliadhna dh’ aois, ’s tha moran diubh nach eil freagarrach do dhaoine bhi còmhnuidh annta. Tha luchd-riaghlaidh a bhaile an dràsda cur rompa gu’n toir iad air na taighean a chàradh, mo gu feum na teaghlaichean a tha furieach annta am fàgail. OIDHCHE SHAMHNA:—B’e oidhche Dior-daoin oidhche Shamhna. Chaidh i seachad sìtheil gu leòir anns a’ bhaile; cha robh cron sam bith air a dheanamh, ach gu robh na ballaich ri ’n àmhuiltean àbhaisteach, a foirt leotha gheatachan us starsaichean, ’sa am ghnoahuichean air aimhreit cho math ’sa b’urrainn daibh. An naigheachd mu dheireadh a thainig á Cuba, cha robh na ceannaircich a faotainn air adhart cho math ’sa bha iad roimhe so. Tha’n Spainn a cur roimpe nach leig i an t-eilean uaipe gus an fheudar dhi, agus cha’n eil muinntir chuba cho làidir ’s gu’n téid aca air cumail rithe. Chaidh Menalek, righ Abyssinia, a mharbhadh leis an dealanach. Tha’n paipeir anns an d’fhuair sinn fios air ag radh nach eil ’na bheachd-san cùnntas air a leithid a thachairt riamh roimhe, righ a bhi air a mharbhadh leis an dealanach. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuai a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 133] [Vol. 4. No. 17. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh soitheach iasgaich Geancach a ghlacadh aig Canso Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, air son a bhi bristeadh air lagh an iasgaich. Tha iad ag radh gu’n d’fhuaireadh còig air fhichead de mhèinnean ùr airgeid ann an Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid, agus gu bheil iad air am meas glé luachmhor. Bhuail da charbad-smùide ’na cheile ann a’ Hyde Park, Mass., air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh còrr us fichead de na bha air bòrd a leònadh, triùir no cheathrar dhiubh cho dona ’s nach téid iad am feobhas. Chaidh càin cheud dolair a chur air fear Henry Day, ann an siorrachd Halifax, an la riomhe air son moose a mharbhadh. Aig a cheart chùirt bha duin’ eile air fheuchainn air son each a mharbhadh le gabhail air, agus cha do chuireadh de chain airsan ach còig dolair. Cha deach uiread guail a chur a mach á mèinnean Cheap Breatunn air a bhliadhna so ’sa chaidh an uiridh. Gu ruige so tha na chuireadh a mach sia fichead us còig mile deug tunna goirid air na chuireadh a mach an uiridh. Tha mèinnean Nova Scotia pailt na’s fhaide na sin air deireadh. Chaidh fear Domhnull Mac Aonghais, a mhuinntir a’ Ghlinn Mhòir, faisg air Baddeck, a leònadh gu dona oidhche Shathurna s’a chaidh le tuiteam as a charbad. Bha e fhéin us dithis chàirdean da a dol mu’n cuairt ceann Baighe Bhaddeck, ’nuair a chaidh a thilgeadh a mach. Chaidh té dhe na cuidhlichean thairis air a chom, ’ga ghoirteachadh cho dona ’s nach eil dùil ri e dh’fhaotainn thairis air. Chaidh dithis dhaoin’ òga a mharbhadh ann am mèinn a’ Reserve o chionn seachdain. Di-sathairne s’a chaidh, thuit tòrr guail air fear Eachunn Mac Gilleain, agus thug an leònadh a fhuair e a bhás an la-’r-na-mhàireach. Oidhche Di-luain chaidh fear Dòmhnull R. Dòmhnullach a ghlacdh eadar da charbad agus cha robh e beò ach beagan uairean an deigh sin. Bhuin e do St. Ann’s, agus cha robh e ach tri bliadhna fichead a dh’ aois. Thainig Mac Gilleain á Springhill toiseach an t-samhraidh. Bha e air pòsadh beagan ùine mu’n do thachair an sgiorradh a thug a bhàs. Tha na meairlich ag obair ann an Nova Scotia. Bhrist iad stòraichean ann an caochladh àiteachan air a che’ir-la-deug a chaidh seachad, agus tha iad a reir coltais ag oibreachadh an taobh so. Tha sinn an dòchas nach leigear iad thairis air Caolas Chanso gun a bhi air an glacadh. Chaidh dithis a ghlacadh ann an Antigonish Di-màirt s’a chaidh an deigh dhaibh stor a bhristeadh, agus fhuaras moran de na chaidh a ghoid as an stòr air an siubhal. Cha b’iongatach leinn ged a b’ iad sin a bha ris an droch obair anns na bailtean eile. Chaidh an toirt gu cùirt Di-ciaduin; dh’ aidich iad an cionta, agus thug am breitheamh Mac Isaic dhaibh deich bliadhna ’n urra dhe ’n tigh-oibreach. Bha ùpraid mhor aca anns a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, mu Iudhach a bha ri ceannachd anns a bhaile agus a bhrist. Tha ceannaichean Mhontreal air a mhuin, ’s iad a’ deanamh a mach gu robh e ri saoightireachd a thaobh a ghnothuich. Ghoid iad air falbh á Halifax e, agus tha aige ri cùirt a sheasamh ann am Montreal. Chaidh Ard-sgoil Phictou a losgadh gu làr oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e ’n dealanach a bhuail an tigh ’sa chuir ’na theine e. Chosg an tigh còig mile fichead dolair a chur suas, agus cha robh ach da mhile dheug dolair de dh’ airgead urrais air. Tha e ’na chall mor do bhaile Phictou. Bha soitheach seòlaidh a stigh ann an Sidni a tuath air an t-seachdain so, agus am feadh ’sa bha ’n sgiobair air tir, chaidh fear de na seòladairean, Frangach, a stigh dh’ an chèbin, agus thug e leis am bocsa anns an robh ’n sgiobair a’ cumail a chuid airgid, ’s thug e chasan leis. Cha d’fhuaireadh sgeul air fhathast, ged tha amhrus aca gu bheil e ’n àit-eigin timchioll a bhaile, agus tha ’n sgiobair bochd as aonais a chuid. Bha pòsadh air a dheanamh anns a bhaile so Di-sathairne s’a chaidh, nach eil a leithid ach glé ainneamh a tachairt. Bha Iain Oliver agus Emma Mhoireastan air am pòsadh, agus esan air leaba ’bhàis. Bha rompa pòsadh air an ath mhios, ach air an t-seachdain s’a chaidh dh’fhàs esan gu tinn, agus ’nuair a thug na lighichean dùil dheth, chuir e roimhe gu’m biodh iad air am pòsadh, agus chaidh sin a dheanamh leis an Urr. Dr. Smith, ministear na h-Eaglais Shasunnaich. Mu aon uair air feasgnr an ath latha chaochail e, an deigh dha a chuid an t-saoghal a thiomnadh d’a mhnaoi òig, a bha cho goirid an deigh a pòsaidh air a fàgail ’na bantraich. Bha Mr. Oliver ’na fhear-inneil air an t-soitheach smùide, Cape Breton, agus bha e na dhuine air an robh deagh chliù, agus meas aig na bha eòlach air. Bha àireamh mhiltean dolair de dh’ airgead-urrais air a bheatha. Bha Corbett agus Fitzsimmons, an da shabaidiche, gu bhi gabhail tomhas a chéile air an t-seachdain so, ach chaidh an gnothuch car ’nan aghaidh. Bha iad an dùil gu’m faigheadh iad sabaid an làthair moran sluaigh, agus mar sin gu’n rachadh ac’ air an ainm a sgaoileadh fad us farsuinn, agus aig an àm cheudna, pocan math airgid a chruinneachadh. Ach chuir luchd-riaghlaidh na stàite (Arkansas) ’nan aghaidh cho garg ’s gu’m b’fheudar dhaibh sin a leigeadh seachad. Bha iad an sai, sin a’ dol a dheanamh na sabaid ann an cùil uaigneich far nach fhaigheadh luchd-an-lagha greim orra gus am biodh gach ni seachad; ach cha’n eil a choltas air gu’n teid sin leotha na’s mò. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn dh’ an taobh, bha òrdugh aig a h-uile siorram anns an stàit an glacadh ge b’ e àite ’m faiceadh iad iad, agus ma theid fear seach fear dhiubh a ghlacadh, cha bhi ’n t-sabaid ann idir. Fhuair sinn fios uaithe sin ag innse gu ’n deacha Fitzsimmons a ghlacadh. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 134] [Vol. 4. No. 17. p. 6] DR. LIVINGSTONE. Air Disathuirne an t-ochdamh la deug de mhios deireannach an earraich, 1874, dhùin an uaigh thairis air an uasal urramach agus ainmeil, Dr. Livingstone. Ged bha a chlu cho farsainn,—a’ ruigsinn an t-saoghail gu leir—agus ged dh’fhaodar amharc air mar aon a bha cho mor anns an run no a’ chrioch araid a chuir e roimhe, ’s an obair mhoir anns an do chaith e a chuid a b’fhaide ’sa b’fhearr d’a bheatha—’s gu’m bu dhanadas do aite seach aite a radh, “so far an do rugadh e,” tha sinn toilichte gu’m faod sinn a thagradh mar Albannach, agus cha’n e mhain sin, ach mar fhior Ghaidheal agus mar mhac Gaidheil. Rugadh e ann am Blantyre dluth do Ghlaschu, anns a’ bhliadhna 1812. Bha a pharantan ann an inbh ro iosal; ach ged bha iad bochd ’n an cor saoghalta, tha e coltach gu’n robh iad, air mhodh sonraichte, fo dheadh chliu am measg an coimhearsnaich air son fior-chrabhadh agus fiachalachd an caithe beatha. Ann an gearr-eachdraidh air a bheatha fein a chuir Dr. Livingstone a mach anns a’ bhliadhna 1857, tha e ag innseadh dhuinn mar a leanas:—‘Aon de m’ shinn seanairean thuit ann am Blar Chuilfhodair a’ cogadh as leth sliochd nan seann righ, agus bha aon de m’ sheansirean ’n a thuathanach ann an Ulbhadh, far an do rugadh m’ athair. Is math tha cuimhne agam mar a b’abhaist domh eisdeachd ris le tlachd, oir bha ’inntinn air a lionadh le seann sgeulach lan, moran diubh glé choltach riusan a chuala mi uaith sin air an aithris leis h-Africanaich, agus sinn ’n’ air suidhe comhla m’an cuairt air an cagailtean cein, trath-fheasgair. B’ abhaist do m’ shean-mhathair cuideachd a bhi ’seinn orain Ghaidhlig.” Tha e coltach gu’m buineadh a shinnsrean aig aon am do ’n Eaglais Chaitlicich, agus tha e ag innseadh dhuinn gu’n robh iad “air an deanamh ’n am Protastanaich le tighearn an fhearainn a thigeadh m’ an cuairt agus duine leis aig an robh bata buidhe ’na laimh, a bha a reir coltais a’ tarrainn tuilleadh aire na bha a theagasgan, oir b’e a b’ ainm do’n chreideamh ùr ré uine fhada as a dheigh go, agus theagamh gus an latha ’n diugh, ‘creideamh a’ bhata bhuidhe,’” Aig aois dheich bliadhna chaidh Daibhidh Livingstone a chuir a dh’obair ann am muilean-cotain ann am Blantyre. Bha de dheigh aige air foghlum agus air leughadh, ’s gu’n do chuir e cuid de’n cheud phaigheadh a fhuair e a cheannach grammar Laidinn, a b’ abhaist da a bhi ag ionnsachadh an deigh da obair-latha a bhi seachad. Cha robh leabhar air an ruigeadh e nach robh e a’ leughadh le deine agus le gionachd do-riaraichte. Ma’n robh e ach gle òg bhuail iarrtas mor e gu dol a mach do dhuthchannan céin mar lighiche; agus a chum an rùn so a choimhlionadh, aig aois naoidh bliadhna deug, chaidh e do Oil-thigh Ghlaschu, far, ri ùine, an d’fhuair e na mhiannaich e. A sa dheigh so, chuir e roimhe e fein a thairgeadh do chomunn mor an Lunainn a bha ag uidheamachadh agus a’ cur a mach mhinisteirean do dhuthchannan fad as; agus air do’n chomunn so gabhail ris, chaidh a chur air leth mar mhissionary do dh’Africa a chinn a deas, agus sheol e anns a’ bhliadhna 1840. Cha b’ann an aon aireimh d’an phaipeir so a b’urrainnear a chur an ceill na rinn e ann an Africa—mar a shaothraich e am measg nan daoine-dubha, an da chuid chum an leas spioradail agus aimsireil a chur air aghaidh—mar a chaith e a bheatha ann an aobhar a dhuthcha fein, a’ farsainneachadh ar n-eolais air cruth, air cor, agus air toraidhean na duthcha duirche sin, Africa, agus a fosgladh suas rathaid troimh an ruigear air a luchd-aiteachaidh ?e teachdaireachd phriseil an t-soisgeil agus leis na buaidhean tarbhach agus feumail a thig an lorg co-mhalairt agus co-chomunn eadar rioghachdan Criosdail agus cinnich bhorba agus aineolach—mar a thog e a ghuth, gun sgur gun sgìos, as leth nan daoine dubha bochd, agus an aghaidh na mslairt mallaichte sin leis an robh ar co-chreutairean air an reic mar spreidh gu bhi ’n an tràillean, agus gu bhi air an gnathachadh air mhodh nach buineamaid riainmhidhean na machrach. Eadar a t-àm anns an d’fhalbh Livingstone an toiseach, agus àm a bhàis, rinn e turas no dha air ais do’n rioghachd so. Is anns a’ bhliadhna 1866 a dh’fhalbh e air an turas mu dheireadh. Goirid an deigh sin thainig fios a nall gu’n d’fhuair e am bàs, agus re uine ghabh moran daoine ris an sgeul mar fhirinn, ach chaidh cuideachd a chur a mach á Sasunn anns a’ bhliadhna 1867 a rannsachadh co dhiù a bha an t-iomradh fior no nach robh. Thill iad leis an naidheachd thaitneach nach robh e fior; agus goirid an deigh sin thainig litir o Livingstone fein, a chaidh a sgriobhadh bho’n àm anns an robh e air a radh gu’n do shiubhail e. Bha e fad uine an sin gun iomradh againn c’àite ’n robh e, gus an deachaidh duine og, tapaidh a mhuinntir America, H. M. Stanley, ’uidheamachadh agus a chur air falbh a dh’fheuchainn an amaiseadh e air Livingstone—nì a rinn e, agus thug e fios air ais gu’n robh an t-eilthireach caomh gu lan-mhath ’n a shlainte, ach gu’n robh e feumail gu leoir air a’ chuideachadh a thug esan g’a ionnsaidh—caoimhneas nach do dhi-chuimhnich Livingstone gu latha ’bhàis. Cha’n ’eil moran forais againn air a ghluasadan an deigh tilleadh Mhr. Stanley. Mu thoiseach na bliadhna 1874 thainig fios gu’n d’fhuair e bàs air a’ 4mh latha de cheud mhios a t-samhraidh roimhe sin, ach bha moran daoine neothoileach gabaail ris a sgeul. Mu dheireadh thainig litrichean ag innseadh gu’n robh cuid d’a luchd-leanmhainm air an rathad dhachaidh le ’chorp, agus chuir so gu buileach mar sgaoil a’ h-uile dochas a dha aig daoine gu’n robh am fios so neo-airidh air geill, mar bha gach fios a thainig roimhe. Tha e coltach gu’m b’e a b’aobhar d’a bhàs, fliuchadh agus baothaiseachadh a fhuair e air a thuras troimh-fhearann bog, féitheach, far an robh e iomadh uair gus na h-achlaisean ann an uisge. Thog so galar a bhàis. Air latha araidh, ’s e ’g a mhothachainn fein tinn, thiurt e riusan a bha leis, “Togaibh dhomh bothan anns am faigh mi am bàs.” Chaidh bothan a thogail agus leaba a sgaoileadh dha. Air an treas latha thuirt e, “Tha mi ro-fhuar; cuiribh tuilleadh tuthaidh air a’ bhothan.” Tha iad ag innseadh gu’n robh e bitheanta ag urnaigh air leaba a bhais, agus aig aon àm gu’n cual’ iad e ag radh “Tha mi a’ dol dachaidh.” Chaochal e air a’ 4mh latha de mhios Màigh 1873. Cha b’urrainn duinn taisbeanadh a b’fhollaisiche ’iarraidh air dillseachd agus air teas-ghradh nan seirbheiseach dubha a bha aig Dr. Livingstone, agus air mar ghabh a chaoimhneas greim air an cridheachan, na mar bhuin iad r’a chorp. An deigh dhoibh a chur an ordugh ’s a phacadh le salann—agus sin ann an uaigneas, air eagal gu’n cuirteadh stad orra le uachdaran an aite ’s an robh iad aig an àm—ghiùlan [TD 135] [Vol. 4. No. 17. p. 7] iad e troimh gach cruadal agus deuchainn re iomadh latha gu h-acrach sgìth, thairis air tuilleadh agus mile de mhiltean astair, ann an duthaich gun rathad-mor gun slighe, gus an do rainig iad an cladach far an deachaidh a chur air bord luinge, agus a thoirt a nall do Shasunn. M’an do sheol e air a thuras mu dheireadh thuirt e, an cursa seanchuis, ri caraid da, “Na’m faighinn m’iaratas bu mhath leam a bho air mo thiolacadh ann am meadhon coille far nach cuirteadh dragh orm gu Madainn na h-Aiseirigh.” B’i so a roghainn; ach mheas an rioghachd so nach robh urram a ghabhadh cur air duine an deigh a bhais air nach b’airidh Dr. Livingstone. Chaidh a thìolacadh ann an Abaid mhor Westminster am measg duslach nan righ, agus na dream a bha air am meas airidh air an on air a b’ airde. Ann an lathair aireimh mhoir sluaigh, agus maithean as gach cearn de Breatunn, ás an Roinn-Eorpa, agus America chaidh a leagail anns an duslach far nach cuirear dragh air gu “Madainn na h-Aiseirigh.” “Na’m bu daoine bheireadh dhinn thu Dh’eireadh miltean air an tòir, A rachadh togarrach ga d’dhìoladh Nach obadh dol a sios le deòin. ’S ann tha chùis na’s fhearr mar tha i,— Dochas laidir thu bhi beò Am measg nan aingeal a tha ’m Pàrras, Ann an gairdeachas ro mhor: Gur e’n Tì a ghlac air làimh thu, Thug ’s an àite sin duit còir Air oighreachd is fhearr na dh’fhàg thu, ’N àros àdhmhor Righ na glòir’.” MAC-MHARCUIS. Gu muinntir na h-Aimhne Tuath. A CHAIRDEAN:—Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi, Ur Seirbheiseach Dileas NIALL DOMHNULLACH. Baddeck, C, B., Sept. 21, ’95, DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 136] [Vol. 4. No. 17. p. 8] ORAN A rinneadh le Domhnull Moireastan (Domhnull Fidhleir) ann a Siorramachd Ghleann a Garradh, an Ontario, an Canada, mu ’n bhliadhna 1825, do dhithis choimhearsnach, Tormod Mac Leoid, us Calum Mac Criomain, duine làidir foghainteach a mharbh damh la anabarrach fuar s’a gheamhradh. Bha an latha cho fuar ’s ’gum b’ eigin dhaibh an damh a thoirt a stigh don tigh ga mharbhadh, a thaobh snach robh aite fasgach ceart am muigh aca. Cha robh ann ach tigh beag ùr de dh’ fiodh. Sann fhuair mi sgeula na dunaich, Moch sa mhadainn an dé; Mac Leòid is Mac Criomain An deighs am milleadh aig béisd, Fear do dh’ ainmhidh na machrach Bhi ga mharbhadh go feum, ’Sann a dh’éirich a bhrùid orr A dh’ aindeon lùghs nam fear treun. Thilg e Tormaid s’an leabaidh, Is bhrist e aisnean a chléibh; S’ bha e g’ éighach ri Calum “Thoir an aire dhuit féin; Feuch an teàrn thu do bheatha ’San leig thu seachad a bhéisd, Ged tha pàirt dheth air feannadh Cha chuir e maille na cheum.” ’Sann an sud a bha charachd Eadar Calum sa bhéisd; Chuir e ’n diùmhlach ’na fhallus, Se cuir a chatha gu dian. ’S ’nan robh a chompanach ealamh Cha robh maille mu’n gniomh, Nuair a shaoil leis a bhualadh ’Sann thug e fuain air a bhian. ’Sann a sud bha ’n t-shachdraich, Bha bualadh bhas ann us leòn; Cha n’ fhanadh tuadh air a h-amhaich, ’Si cho sleamhain ’na dhórn; Bha e gòrach dh’ fhear cearraig Dhol na charamh le spòrs, ’S gum bu dorra dha mharbhadh Na chuid sa chrannchur dhe ’n fheòil. ’Sann aca sud a bha ’mhisneach, ’Sa chulaidh chlisgidh a bh’ann; E cho mor ri muc-mhara, Bha àirde as fad ann gun taing. Cha robh òrdaicht’ a leithid A thoirt do thigh san robh clann; Chaidh e sios ann san t-seilear ’S an t-óig-fhear smearail ’na cheann. Leam is duilich mac Fhearchair A bhi gun armachd san àm, A bhi gun ghunna, gun daga, Gun sgian a sparradh e ann; Cha bu dual dha bhi gealtach ’N àm bhi tarruinn nan lann, S’ bhithin earbsach as fathasd ’Nam biodh a chlaideamh na laimh. Chaidh Tormaid sios air a ghlùinean A dheanamh ùrnuigh gu cruaidh; “Fhir a dh’ fosgail mo shùilean, ’Sa sgoilt gu ciùin a Mhuir Ruadh, Thoir meart agus lùghs duinn Gus a bhrùid a chus suas, Gus an toir sinn am bàs dha Mu’n tig Iain bàn a so shuas.” Ma theid an sgeul innse Do Dhomhnull fidhleir mar bha, Cha bhi maille na sgaoileadh, ’S gum bi daoine dheth nàr; B’ fhearr leam leth-dusan dollar A thoirt gu toilichte dha, Na gu ’n cluinte mar thachair ’Sa mhoch mhaduinn Di-màirt. Ma gheibh mi na buinn ud Air an cùnntas gun dàil, Gun lean mi sgeul rùin dheth ’Sa mhùchadh fo m’ shàil; Bheir mi bòid agus mionnan Nach cluinn duin e gu bràth; Ach ma bios maille sa chùinneadh, Cluinnidh ’n dùthaich mar bha. AONGHAS MAC ILLE-MHAOIL. Chaidh Gaidheal araidh gu Iamaica o chionn beagan bhliadhnachan. Ràinig e Baile an Righ gu sàbhailte agus ’nuair a bha an long air acair anns a’ chala, tháinig moran bhataichean mu timchioll a chum na muinntir a thoirt gu tir. Chuir an Gàidheal a threallaich air bòrd bàta anns an robh dà dhune dhubh, agus rinn e suidhe maille riu. Bha a’ Ghàidhlig aig fir a’ bhata, ach cha robh fios aig a’ Ghàidheal air sin gus ’n do thòisich iad air bruidhinn ri cheile ann an canain nam beann. Ghabh e mòran iongantais, agus shaoil e gu ’m bu Ghaidheil a bha annta. Dh’ amhairc e orra car ùine agus mu dheireadh dh’ fhoighnich e ri aon diubh, an robh e fada anns an dùthaich sin. Fhreagair an duine dubh, “Mu thimchioll sia miosan.” “Sia miosan” ars an Gàidheal, le guth eagalach; “Sia miosan agus thu dubh a cheana! thoir air ais a dh’ionnsuidh na luinge mi. Cha bu toigh leam m’ aodann a bhi cho dubh ri sin, ged a gheibhinn de rum agus de shiùcar na bha riamh ann an Iamaica.” Bha Dòmhnull pòsda an dàrna h-uair agus bha a bhean an còmhnuidh a’ feòrach dheth co a b’ fhearr leis ise na a cheud bhean a bh’ aige. Cha d’ thug e freagradh sam bith dhith an tòiseach ach bha i ’g a shàrachadh, agus aon latha an deigh dhi a cheist a chur ris, fhreagair e gu cas i; “Gu dearbh a Chaorstidh, tha mi a fàs sgith dhe’n cheasnachadh sin, ach air m’ fhacal ’s air ’m fhirinn, ’n am biodh Màiri beo an diugh, cho bhiodh tusa far am bheil thu.” C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 137] [Vol. 4. No. 18. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 9, 1895. No. 18. Oidhche Shamhna am Margaree. FHIR MO CHRIDHE,—Is ann agamsa dhuibhse tha’n naigheachd! Nach d’fhuair mi a’ fàinne an raoir ’s an fhuaraig air thoiseach air càch, rud nach do thachair riamh roimhe dhomh! Saoil an robh mi ’ga iarraidh idir leis cho tric sa bha mi air mo mhealladh bliadhnachan eile; is ann a theann mi ri itheadh na fuarag gu sgoinneil, agus leig mi le càch a bhith siubhal air son an fhàinne. Bha mi ann am barail nach bu deachd an darra cuid a bhi dhith orm. Ach, mo shòlas! de a b’iongantach leam fhéin na a’ fàine fhaireachdainn ’nam bhéul, agus ’s gann gu’n creideadh càch gu’n d’fhuair mi idir e. Is mise fhuair sin, agus theab e bhi sios ’nam amhaich ma’n tug mi mi-fein fonear, agus mar [?] sin na ’dheagh chomharra air mo chàs-sa anns a bhliadhna gu tighinn, ’s iongantach an gnothuch e. Ach ’s ann an sin a bha ’mhoit air cuid do chàch. Thilg Eoghainn ruadh bhuaithe a spàin le gruaim agus shaoileadh tu gu’n chuir Anna mhor an da shùil tromham. Cha mhor coire a bh’agamsa. Nan teannadh iadsan ri ithe na fuaraig mar a rinn mise,—ach ged a theannadh cha robh àite aca dhith, bha’n cridhe, mo thruaighe, na’m beul; oir ged a bhitheadh bonn òir air grannd na mèise no dealbh an leannain ri thoirt an uachdar cha b’urrainn an suilean a bhi na bu ghéire a coimhead sios no idir urad fhuaim a bhi aca ma’n cuairt air an t-soigheach. An déigh do’n fhuaraig a dhol on dàrna taobh, chuala sinn a bhi ’gléusadh fiodhle ’an ceann eile an taighe, agus air m’fhacal cha robh mi cur coire air an òigridh a bhi ’ga faireachdainn fhéin car mi-shocrach air an aiteachan-suidhe oir bha an ceol a bha iad ag éisdeachd fior mhath. Ann am beagan ùine dh’aontaich fear an taighe gu’m faodadh iad beagan ruidhleichean a dhianamh air chumhnantan gu’n gabhaidh iad leis na dannsan Gàidhealach, agus nach bitheadh guth aca air ruidhl-ochdnar no air aon de na dannsan mi-chiatach gallda ’tha a nis air tighinn cho fasanta. Is ann mar sin a bha; agus ge nach eil daoine og an latha an diugh cho ionnsaichte air an dannsadh ris an linn a bha rompa, gidheadh tha feadhainn na’m measg dha’n aithne iad fhéin a chluich gu “fonnmhor, fearail, sùbailte’” nuair a chluinneas iad na puirt shnasail, shiubhlach, éutrom. ’Nuair bha’n dannsa seachad, theann sinn ri gabhail òrain. Tha luchd-gabhail orain anns a’ chearn so cho math ’sa tha ri fhaighinn ann an aite sam bith, tha iad aca gu paillt ann an Gàidhlig ’s am Béurla. Is ro thaitneach leam fhéin, ma’n sgaoil cuideachda chridheil gu’n toir iad tacan air gabhail òranan béusach, taitneach, oir is ainneamh a chunnaic mi droch cheann-fìnid riamh a tighinn air còmhlan a bheireadh an cuid spurt is aighir gu crìch anns an dòigh ud. Cha robh seanachaidh ro-mhath anns a’ chuideachd agus b’fheudar sgaoileadh gun sgeulachd fhaotainn. Tha beagan de sheann daoine anns an aite fhathasd ’tha gle mhath air innseadh seann naigheachdan ach cha’n fhada bhios a h-aon an lathair dhiubh; oir bho chionn iomadh bliadhna, “tha’n cinn air liathadh ’san ciabhagan air tanachadh.” Cha’n ’eil mi ’n dùil gu bheil a h-aon ann anns na làithibh so cho baoth no cho amaideach ’s gun rachadh iad air oidhche Shamhna ’gam bogadh fhéin ann an allt-criche, no a rachadh le geilt cridhe le ceirsle snàth gu toll àtha, no idir a dh’ithe bonnach salainn ma choinneamh a sgàthain. Cha mhutha chluinneas sinn guth air goid càil, togail dhrochaidean, crannadh dhorsan no cur falach cuibhle carbad-siubhail. Tha gach cleachdadh mi-fhreagarrach dhe’n t-seòrsa sin a nis air an cur air chul ge b’e cuin a thoisich iad, agus tha gach linn mar tha ’tighinn “a’ fàs ni’s laige ’s ni’s glice.” Is mi do charaid, AN SEANA-GHIULLAN. Latha Samhna, 1895. Cu Seolta. Ann am baile beag an ceann a deas na Frainge, bha dinneir air a thoirt do fhichead duine bochd aig àm àraidh na h-uile latha dhe’n bhliadhna. Bha cù a bhuinneadh do chuid-eigin faisg air làimh, daonnan aig air dinneir còmhla riutha, an dòchas gu’m faigheadh e càil éiginn uapa. Ach bhiodh na daoine bochda mar bu trice glé acrach iad fhéin, agus mar sin cha robh iad ro fhialuidh, agus cha robh ’n cù bochd ach glé ainneamh a faotainn blasad air a bhiadh a bha iad og itheadh. Nis bha ’n dinneir air a cur a mach air uinneig bhig, an deigh do’n neach a bha ’ga h-iarraidh ròpan beag ris an robh clag an ceangal a dhraghadh, agus leis a ghliong a dheanadh an clag fios a thoirt do’n fhear-riarachaidh. Cha’n fhaiceadh an fear-riarachaidh có bh’aig a uinneig, agus cha ro fhios aige cò bha faotainn a bhidh a bha e sineadh a mach. Aon latha dh’fhan an cù gus an robh na daoine bochda uile air falbh. Cha d’fhuair e ach fior bheagan uapa, agus chuir e roimhe ionnsuidh a thoirt air dinneir fhaotainn dha fhéin. Sheas e air a chasan deiridh, rug e air an ròpan, thug e draghadh air, ’s rinn an clag gliong. Chaidh dinneir mhath a chur a mach gu’n dàil, agus dh’ith an cù i le mòr thaitneas. Rinn e seo latha ’n deigh latha, fad treis a dh’ùine, ach mu dheireadh fhuaireadh an slaoightire a mach. Ach mheasadh e na ni cho tapaidh do chù a dheanamh, ’s nach do chuireadh bacadh sam bith air; leigeadh leis leantuinn air o latha gu latha, agus bha e fad ùine mhor aig gach àm dinnearach, a toirt gliong air a chlag, agus a gabhail o bhìdh còmhla ris na baigeirean eile! Tha ’n duine sin saibhear aig am bheil deagh nadar, a tha do ghnàth càirdeil, foighidinneach, aoibhneach, dòchasach, agus a ta ’g a ghiùlan fein gu suilbhear a thaobh nan uile. [TD 138] [Vol. 4. No. 18. p. 2] AN CORAL. Mar is mo a bheachdaicheas sinn air oibre an Ti uile-bheannaichte a dhealbh na h-uile nithe le focal a chumhachd fein, ’s ann is mo bheir sinn fa’near ar n-aineolas agus ar neo-iomlaineachd fein. Is dall da-rireadh an duine sin nach ’eil a’ faicinn gu bheil oibre an Tighearna gu soilleir a’ foillseachadh a mhaitheis, a ghliocais, agus a chumhachd neo-chriochnach fein. Ge b’e ait air an seall sinn chi sinn meur an De uile-lathairich air a nochdadh ann in lionmhorachd do-aireamh nan nithean sin a rinneadh leis. Tha ’chruitheachd lan de chreutairean anns am bheil beatha, a ta air an cumail suas le caomh-fhreasdal an Ti a dhealbh iad. Gheibhear na creutairean sin de gach meud agus dealbh, agus gheibhear aca an nadur agus an cleachdanna fein fa leth. Ma dh’ amhairceas sinn air feadh na talmhainn chi sinn mile de mhiltean creutair de gach gne. ’S an adhar os ar ceann, tha ’n eunlaith eug-samhla maraon lionmhor agus iongantach. Ceart mar sin tha creutairean na fairge, far a bheil iad ’n am miltean a’ gluasad a reir an gne am measg nan uisgeachan. Nach ceart a thigeadh dhuinn eigheach a mach maille ris an t-Salmadair? “Is lionmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithe a rinn thu! t’oibre iongantach agus do smuainte d’ar taobh-ne, cha’n ’eil e ’n comas a chur a sios an ordugh dhuit; nochdainn agus chuirinn an ceill iad; ach tha iad ni’s lionmhoire na gu’n gabh iad aireamh.” Salm xi. 5. A reir coslais, tha na h-uiread de ’r luchd-leughaidh nach cuala riamh iomradh mu mheanbh-bheathaichean a’ chorail, a ta co ro lionmhor ann an cuanta na h-Airde deas. Tha na beathaichean so co anabarrach beag, ’s gur ann air eiginn a chithear iad leis an t-suil luim; gidheadh beag mar a ta iad, tha oibre air an deanamh leo a ta iongantach, mor. Tha iad a’ togail suas aitreibh de chreagan mora o ghrunnd na fairge, a ta da-rireadh miorbhuileach ri’m faicinn. Goirear riu so creagau a’ chorail; agus mar fhoillseachadh air oibre an Ti uile-chumhachdaich, tha sinn an dochas gu’m bi cunntas air na creagan sin araon freagarrrch agus feumail ’s an aite so. Is ann air eiginn a chreidear gu’m b’urrainn creutairean co ro mheanbh ballachan ard a thogail anns a’ chuan, de stuth co cruaidh ris a’ chloich fein, agus na ballachan sin na ceudan mile ann am fad; ach tha e ’n a ni dearbhta gu bheil iad ’g an deanamh, agus is minic a mhothaich maraichean na ballachan chreag sin chum aimhleas dhoibh fein agus d’an longaibh. Tha cuid de mheanbh-bheathaichan a’ chorail co mor am meud ri fineig, no ri fride, ach tha cuid eile dhiubh moran ni’s lugha na sin, agus cuid co anabarrach meanbh ’s gu feumar gloineachan mu’n faicear idir iad. Is iongantach da rireadh an cumhachd a thugadh do na creutairean beaga so a chum oibre a dheanamh, nach b’urrainn uile innleachd dhaoine a dheanamh gu brath. Tha cumhachd aca stuth a tharruing a uisgeachan a’ chuain, a ta cosmhuil ann an nadur ri aol, agus cuiridh iad an stuth so ’n a mheanbh-earrainean air a cheile gus am fas e ’n a chreig chruaidh, charraich, lan de sheomraichean beaga a ta aca mar aitean-comhnuidh. Tha na creagan a nithear air an diogh so de’n aon stuth ri slige, agus an uair a loisgear iad, ni iad, mar na sligean fein, an t-aol a’s fearr. Tha ’aite-comhnuidh fein aig gach meanbh-chreutair dhiubh so, agus tha gne uidheim aig dorus a thighe leis an glac e creutairean beag’ eile air feadh na mara air son loin. Chum beachd a thoirt air meud nan aiteachan-comhnuidh aig na creutairean iongantach so, tha e air ’fhaotuinn a mach gu’n comhduich aghaidh na h-ordaig corr a’s mile aite-comhnuidh, agus gach aite air a dheasachadh air son ’fhir-taimhe fein! Tha na creutairean dichiollach so a’ siolachadh gu ro bhras. Tha ’n oigridh a’ tighinn a uibhean beaga a ta air am beirsinn anns na tuill far a bhail na meanbh-chreutairean a rug iad a’ gabhail comhnuidh. Ann am beagan laithean an deigh dhoibh na h-uibhean ’fhagail, tha iad a’ toiseachadh air aitean-comhnuidh a dheanamh dhoibh fein; agus tha e ’n a ni iongantach gur ann air uachdar nan aite-comhnuidh anns an d’ rugadh na h-uibhean as an d’ thainig iad fein, a tha iad a’ deanamh sin. Air an doigh so, tha ’n linn a chaidh seachad air an druideadh beo ’n an tighean fein, as nach urrainn iad a chaoidh faotuinn a mach, le tighean an sliochd. Mar so tha aon linn a’ cur as do linn eile, agus mar so tha creag a’ chorail a’ fas mor, le sreath an deigh sreath de na tighean a bhi air an togail air uachdar a cheile! Tha na meanbh-chreutairean iongantach so ag oibreachadh le riaghailt araidh a bhuineas dhoibh fein. Tha fios aig na h-uile air an eagnuidheachd leis an dean na seilleinean na cirean-meala, agus air an dichioll a nochdas na seangana ’n an oibribh fein, a reir an gne; ach tha ’n eagnuidheachd agus an dichioll ceudna air an nochdadh le meanbh-bheathaichean a’ chorail ann an doimhneachd na fairge! Tha na creagan corail air an dealbhadh de gach uile chumachd. Tha cuid ag eirigh suas o ghrunnd na mara mar chraobhan maiseach, a’ sineadh a mach am meuran agus am meanglain air gach taobh. Tha cuid eile a’ fas suas mar phreasanaich, agus mar luibheannach aillidh fo ’n lan bhlath, agus a’ nochdadh nan dath a’s boidhiche agus a’s soilleire. Tha na dathan a chithear air na coilltean corail sin anabarrach maiseach. Tha dearg, donn, buidhe, uaine, gorm, agus gach atharrachadh direach eile ri ’m faicinn air an cur gu h-innleachdach air feadh a cheile, anns a’ choral. Ceart mar a ta na coilltean de gach gne a’ fas air na beanntan air tir, mar sin tha coilltean corail a’ fas a nios a grunnd na fairge, gu ruig a h-uachdar, far a bheil an doimhneachd na ficheadan aitheamh, agus far a bheil sruthan bras agus laidir! Nach miorbhuileach gu ’n deanadh creutairean co beag obair co ro mhor! Ach feumar a thoirt fa’near gu bheil obair nan creutairean so, ann an cuantan na h-airde deas, gu minic co ro mhor ’s gu bheil iad ’n an cuis eagail gu tric do’n mharaiche. Ann am meadhon a’ chuain mhoir, na ceudan mile o thir sam bith, gheibhear na creagan corail ag eirigh gu h-uachdar na mara, ’n am ballachan laidir, air an togail ann an cuairtibh mar fhainneachan farsuing, anns am bi a’ mhuir ciuin, reidh ’n am broinn, ’n uair a bhios na tonnan atmhor agus anradhach air an taobh a muigh de na bailachan sin. Tha na fainnean mora sin a’ cumail fasgadh cuain ’n am broinn fein, an uair a cheithear geal-ghaire nan tonn a’ briseadh cruinn-thimchioll nan creag o ’n leth a muigh. Ged nach ’eil an coral fein ag eirigh thar uachdar an t-saile anns na cearcallan iongantach so, gidheadh is minic a thogas an t-anradh-fairge mirean briste de’n choral suas os ceann nam ballachan, air choir ’s gu bheil eileanan air an deanamh air an doigh so leo. Chum beachd a thoirt air meud nam ballachan so, bithidh iongantas air ur [TD 139] [Vol. 4. No. 18. p. 3] luchd-leughaidh a chluinntinn gur tric a chunnacas iad o cheithreamh mhile gu mile air leud, agus iad sin a’ deanamh fainne no cearcall anns a bheil o fhichead gu sea fichead mile astair mu’n cuairt. Nach anabarrach mor an soitheach-uisge so, a tha gu minic o thri gu sea ceud troidh, ann an doimhneachd! Cha ’n ’eil am ballachan Bhabiloin, balla mor China, agus ann an togalaichean barra-chaol (Pyramids) na h-Eiphit ach mar obair-chluiche na cloinne, an coimeas ri meud nam ballachan miorbhuileach so a ta air an dealbhadh ’s a’ chuan dhoinionnach le creutairean co anabarrach meanbh! Tha, mar is tric, dorus no fosgladh ann am ballachan nan cearcall mora a dh’ ainmicheadh, farsuing ni ’s leoir a chum comas a thoirt do na longan a’s mo, seoladh a steach ’nam broinn, far am faigh iad deadh acarsaid, agus fasgadh o gach gaoth a sheideas. A thuilleadh air an h-oibre mora so am meadhon a’ chuain, tha lionmhorachd eileanan ann a ta air an cuartachadh le ballachan corail aig astar araidh a mach o thir. Tha Eilean na Frainge (Isle of France) mar so air a dhionadh ceithir thimchioll le balla corail, agus iomadh eilean eile a bharr air. Tha e iongantach r’ a smuaineachadh gu bheil a ghnath fosgladh anns na ballachan sin, direach mu choinneamh gach acarsaid agus loch ’s na h-eileanan sin, air an seol na soithichean a stigh gu tir. Chunnaic am Freasdal iomchuidh a’ chuis a bhi mar so, oir na’m bitheadh na ballachan corail gun fhosgladh ’s am bith, a’ cuairteachadh gach eilean air an doigh ud, cha’n fhaigheadh soitheach sam bith a choir an fhearainn gun a bhi air a sgealbadh as a cheile. Air taobh na ear-thuath de Australia, tha balla corail mu dheich mile a mach o thir, a tha corr a’s seachd ceud mile air fad, agus is minic a chaidh soithichean a bhriseadh ’n am bloighdean air agus a chailleadh na sgiobairean. Cha’n urrainn duinn aig an am so gach ni mu ’n choral ainmeachadh. Tha e r’ a fhaicinn fo liutha atharrachadh cumachd agus dealbh, ’s nach ’eil e comasach an ainmeachadh fa leth. Ann an aitean eile de ’n t-saoghal, tha eileanan air an aiteachadh agus air an comhdachadh le craobhan de gach gne a ta air an steidheachadh air na creagan corail. Rinneadh na creagan ud an toiseach gu uachdar na fairge leis na meanbh chreutairean a dh’ ainmicheadh, agus a ris, bha na creagan fein a’ tional gach stuth air an uachdar a bha ’n cuan a’ tilgeadh suas, gus mu dheireadh an d’-fhas an stuth sin daingean, agus an do thoisich feur agus luibheannach de gach seorsa air fas suas dosrach agus pailt. Am measg uil’ innleachdan an duine, agus dh’ aindeoin a sheoltachd gu nithe iongantach a dhealbhadh agus fhaotuinn a mach, cha robh e riamh ’n a chomas fearann tioram a dheanamh dha fein ann am meadhon na fairge. Gidheadh rinneadh an gniomh iongantach agus mor so, cha’n ann leis an duine’ ach le creutair meanbh, a ta mar neoni ’n a shuilean—creutair co ro bheag ’s gur ann air eiginn a tha cumhachd aig suil an duine a leirsinn idir. Ach cha’n ’eil ni ar bith neo-chomasach do ’n Ti uile-chumhachdach agus uile-bheannaichte aig a bheil a chaomh fhreasdal os ceann ’oibre gu leir. An uair a bhios sinn a’ suidheachadh ar n-inntinn air gach obair mhior-bhuileach a chithear mu ’n cuairt duinn, bu choir duinn beachdachadh le mor umhlachd air cumhachd, gliocas, agus maitheas neo-chriochnach an Tighearna De uile-ghlormhor a dhealbh na h-uile nithe. Tha cumhachd an duine mar neoni, seadh ni ’s lugha na neoni an coimeas ri cumhachd an Ti bheannaichte sin a chruthaich e. Cha’n urrainn sinne, cha’n e ’mhain na nithe a’s lugha a chruthachadh’ ach na nithe a chruthach Dia agus a chairich e fa chomhair ar sul, a thuigsinn. Tha sinn a’ faicinn an fheoir air na raointibh, ach cha’n ’eil fhios againn cia mar tha e ’fas suas agus a’ teachd fo bhlath. Tha sinn a’ faicinn oibre innleachdach gach meanbh chreutair ’s a’ mhuir agus air tir, ach cha’n aithne dhuinn an seol neo-mhearachdach air a bheil iad a’ saothaireachadh. Tha sinn a’ faicinn nan creagan corail air an dealbhadh am measg nan tonn buaireasach le creutairean ro mheanbh, ach cha mho is urrainn sinn a thuigsinn an seol air a bheil cumhachd aca ni co miorbhuileach a dheanamh, na ’s urrainn sinn a thuigsinn an seol air a bheil a’ ghrian, a’ ghealach, agus na reultan, a’ siubhal gu neo-mhearachdach ann an gorm-astar nan speur. ’S e ar dleas’nas, gidheadh, a bhi’ beachdachadh gu curamach air oibre a’ Chruithfhir bheannuichte, chum ar n-irioslachd a dhusgadh, agus a chum gloir a thoirt d’ a ainm naomha-san. Am bi sinn gach la ag imeachd am measg mhiorbhuil na cruitheachd, gun mheur a’ Chruithfhir ’fhaicinn anns gach ni mu’n cuairt duinn? Na biodh a’ chuis mar so, oir is leoir na nithe a’s lugha air an comas duinn amharc chum ar deannmh umhal, agus a chum toirt oirnn eigheach a mach, “Is airidh thusa a Thighearna, air gloir, agus urram, agus cumhachd ’fhaotuinn; oir chruthaich thu na h-uile nithe, agus air son do thoil-sa tha iad, agus chruthaicheadh iad.” Taisb. iv. 11. SGIATHANACH. Bha fear-turuis Sasunnach anns a’ Ghàidhealtachd o chionn beagan mhiosan, agus bu mhath leis feadhainn a bhi am beachd gu’m bu duine fòghluimte a bha ann. B’àbhuist da bhi cur dragh mòr air seann leighich a bha an sud, le bhi cur cheisdean faoin air. Thachair e air an leighich aon latha agus thuirt e ris, “A leighich, tha ceisd chudthromach agam ri chur ort, agus is i so i; ma sheasas mi air mo cheann, ruithidh m’ fhuil gu mo cheann; a nis ’nuair a tha mi ’seasamh air mo chasan, carson nach ruith m’ fhuil gu mo chasan.” “Is furasda domh a’ cheisd sin a fhreagairt,” ars an leighich. “Tha sin a chionn ’s nach ’eil do chasan falamh mar tha do cheann.” Thuirt fear-teagaisg ri gille beag ann an sgoil, “A Sheumais, tha deise mhath agad a cheana, agus na’n d’ thoirinn aon eile dhut cia meud a bhitheadh agad an uair sin.” Fhreagair Seumas, “aon.” “Cia mar a tha thu deanamh sin a mach?” ars am fear-teagaisg. “Nam bitheadh deise ùr agamsa,” arsa Seumas, “bhitheadh an t-seann deise aig mo bhrathair beag, ’s cha bhiodh agamsa ach an aon té.” Cha mhaith an suaimhneas sin a dhruideas an fhirinn a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn laimh air laimh, is còir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanaich an àite suaimhneis. Tha’n duine sin a labhras do ghnàth an fhirinn ghlan, ’na dhiulnach a ta mòran ni’s tapaidh na ghabhar e. [TD 140] [Vol. 4. No. 18. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 9, 1895. Air an t-seachdain s’a chaidh, thug sinn iomradh air a’ chòrdadh a rinn Russia us Sina ri chéile, agus air an t-seachdain so thainig naigheachd gu robh Russia an deigh còrdadh eile dheanamh ri Iapan, agus ma tha sin fior, tha e ’deanamh chùisean ni’s miosa. Tha malairt mor a dol air adhart fo bhratach Bhreatuinn mu chladaichean Shina us Iapan, agus ma theid an da dhùthaich sin ann an co-bhonn ri Russia na h-aghaidh, cuiridh iad call mòr oirre. Ach tha Breatuinn làn chomasach air a còirichean fhéin a sheasamh, agus eg do dh’fhaodadh iad dragh agus call gu leòr a chur oirre, cha’n eagal gu’n toir iad fo chìs i, no gu’n cum iad i o a dòigh fhéin a bhi aice. Bha gille gàidhealach agus isneach (seòrsa gunna) ’na dhòrn a’ coiseachd ’an rathaid gu Taigh an Uillt, agus nuair a ghabh e seachad air taigh mòr a bha sin, ruith cù borb a mach, agus thug e greim as a’ ghille. Chuir an gille an isneach gu grad r’a ghualainn, agus thilg e an cù. B’e duine beairteach leis am bu leis an cù, agus ghabh e fearg ’nuair a chuala e gun robh a chù marbh. Fhuair e maor-sith agus thugadh an gille an làthair a t-Siorram. Thuirt an Siorram ris, “Carson a mharbh thu an cù a ghille?” Airson gu’n d’thug e greim ás mo chalpa,” ars an. “Ach carson nach do bhuail thu e le stoc ua h-lsneaiche?” ars an Sirrram. “Le’r cead” ars an gille “a chionn nach d’thug e greimasam le ’earball.” Bha taghadh ann an àireamh de na Stàitean Di-màirt. Cho fada ’sa chuala sinn, ’s iad na Republicans a fhuair a chuid a b’fhearr dheth. ’Si ad na Democrats a bu làidire roimhe so. Bha ’n sluagh ann an iomadh àite, anabarrach mi-riaghailteach, agus a cathachadh an aghaidh a cheile, car mar a b’abhaist do shluagh na dùthcha so fhéin a bhi aig amannan-taghaidh o chionn da fhichead bliadhna. Tha Diùc Mharlborough, fear de dh’uaislean Shasunn, a dol a phòsadh nighean Uilleim Vanderbilt, fear de dhaoine beairteach nan Stàitean. Rinneadh an réiteach an la roimhe, agus tha iadsan aig ’m bu chòir fhios a bhith, ag radh gu bheil e dol a dh’fhaotainn cóig muillein dolair ($5,000,000,) leatha. Co-dhiu tha e faighinn bean mhath no nach eil tha e faighinn an deigh thochraidh. Is ni e a tha fàs glé chumanta ’sna bliadhnaichean so, uaislean na seann dùthcha bhi pòsadh nigheanan Geancach aig am beil roinn mhath de shaoibhreas an t-saoghail so. Tha mòran de dh’uaislean thall a th’air fàs cho bochd ’s nach eil a bheag aca ach an ainm agus an uaisle, agus ’siad sin mar a’s trice bhios a deanamh pòsaidh air an taobh so de’n chuan-mhòr, agus air an dòigh sin a’deanamh an crannchur na’s fhearr. ’S uamhasach a chosgais a tha ’n co-cheangal ri cogadh air muir ’s air tir. Tha Breatunn an dràsda ’togail àireamh de shoithichean cogaidh agus tha gach te dhiubh a dol a chosg a mach ’sa stigh mu mhuillein dolar. Tha na soithichean so còrr us ceithir mile deug tunna a chudthrom. Bha ’n t-Urr. Iain Friseil, ministeir a Chladaich a Tuath, air a phòsadh Dior-daoin ri Johanna Nic Coinnich, nighean do Choinneach R. Mac Coinnich, Sidni Tuath. Tha MAC-TALLA a’ guidhe a h-uile latha sona dhaibh, ’s gun latha idir dona dhaibh. Tha dotairean ag radh ma chuireas duine rud am falach ’s an daorach air, nach urrainn dha cuimhneachadh c’àite ’n do chuir e e ’nuair a dh’fhalbhas an daorach dheth; ach ma ghabhas e ’n daorach a rithist gu’n cuimhnich e air. Suidhich d’inntinn fein gu stolda air na chaidh seachad, ma’s miannach leat na nithe a ta cum teachd a thoirt gu ceart fainear. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. SGEUL EACHUINN Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuai a bha mi déileadh ris roimhe. [TD 141] [Vol. 4. No. 18. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha coithional Cléireach Strath-Lathuirnn an deigh eaglais ùr a thogail, agus bha i air a fosgladh la na Sàbaid s’a chaidh. Tha ’n eaglais ’na togalach briagha agus tha àite suidhe do shia ceud innte. Chaidh fear Padruig Càrr, a bhàthadh ann an acarsaid Summerside, E. P. I., feasgar Di-màirt s’a chaidh. Bha e air bòrd soithich, agus chaidh a thilgeadh thairis le te de na slatan. Bhuineadh e do Eileanan Mhaydalen. Rugadh air ceathrar dhaoine ann an Amherst toiseach na seachdain so air amhrus gu’m b’ iad a bha ris an mheairle a bha ’dol air adhart o chionn dha no tri sheachduinean; tha iad anns a phriosan an dràsda a feitheamh na cùrtach. Air a choigeamh latha fichead de dh’ October, chaill Aonghas Bàillidh, River John, N. S., da shabhal; bha iad air an cur ’nan teine leis an dealanach, agus airan losgadh gu làr. Chail e ’m fiar, ’s an t-arbhar, ’s pàirt de innealan-tuathanachais. Tha tuathanach ann an Corwallis, N. S., a bhuain tri cheud deug barailte de dh’ ùbhlan air an fhoghar so; Cha ’n eil aige fo na craobhan ach da acaire dheug, agus mar sin, fhuair e còrr us ceud baraiite bhar an acaire. Chaidh stàpull mhr each a losgadh ann am Port Morien oidhche Di-màirt air an t-seachdain s’s chaidh. Fanaireadh na h-eich ’s na bha gu h-iseal a shàbhaladh, ach chaidh gach ni a bh’ air an lobhtaidh a chall. Bhuineadh e do Mhr. Leslie. Shil sneachda trom oidhche Shathurna s’a chaidh. ’Nuair chaidh daoine chadal an oidhche sin, bha coltas glé bhriagha air an t-side, agus ’nuair a dh’ éirich iad ’sa mhaduinn bha ’n talamh geal. Ach cha do mhair e gle fhada; leagh a chuid bu mho dheth as t-sealladh mu’n d’ thainig am feasgar. Tha timeannan matha aca ann am Manitoba air an fhoghar so. Tha dùil aca fiach fichead muillein dolair a chur a mach as an dùthaich roimh dheireadh na bliadhna. Tha fiach da mhuillein gu leth de spréidh s de mhucan ri ’n creic, agus cha’n eil sin ach beag an taca ri fiach a chruithneachd. Tha an cruithneachd a’s fhearr a creic air leth-dolair am buiseal, ni a tha ’na dheagh chomharra air cho pailt ’sa tha e. Air an t-seachdain s’a chaidh, bha triùir dhaoine air am faotainn ciontach de mhort. Bha fear Durant air fheuchainn ann an San Francisco, air son dithis nigheanan òga a mhort ann an eaglais; bha Holmes air fheuchainn ann an Chicago air son deich no dusan mort a th’air fhàgail air; agus bha Shortis air fheuchainn ann an Quebec, air son dithis dhaoine a mhort ann am factoridh chotain faisg air Montreal. Tha ’m fear so ri bhi air a chrochadh air an treas latha dhe’n bhliadhn’ ùir. Ged fhuaireadh an dithis eile ciontach, cha d’ thugadh a mach binn an crochaidh fhathast. Bha ’n eaglais Chaitliceach a tha aig Méinn a Reserve air a meudachadh ’s air a h-ùrachadh air an t-samhradh s’a chaidh, agus bha i air a fosgladh as ùr air Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha a mheinn roimhe so an ceangal ri paraiste Bhridgeport, ach tha i nis air deanamh ’na paraiste dhi fhéin. Chaidh an sabhal aig bantrach Dhòmhnuill ’Ic Fhionghain, ann an Roseburn, faisg air Hogamah, a losgadh gu làr, la na Sabaid, an 27mh latha de dh’ October. Chaidh am fiar ’s an t-arbhar, agus pàirt de na h-uidheaman a losgadh. Chaidh tigh a losgadh air an Amhuinn Mhuileich mu sheachdain roimhe sin, an tigh aig Uilleam Peutan. Tha losgadh thaighean us shaibhlean ’na chall mòr aig àm sam bith dhe’n bhliadhna, ach tha e na chall ro-mhor aig toiseach a gheamhraidh. Iadsan a Phaigh. A Mac Coinnich, Rat Portage, Ont. (50c.) Curstidh Nic Aidh, Ripley, Ont. Murchadh Màrtuinn, Ripley, Ont. A. I. Mac Diarmaid, Ottawa, Ont. Iain Moireastan, Laggan, Ont. Donnacha Mac Aonghais, McIntyre P. O. Ian G. Mac Leoid, Chelsea, Mass. Iain Bell, Redfield, S. Dakota. C. U. Caimbeul, Oaklands, Cala. Eachunn Dùghlach, Exeter, N. H. L. Domhnullach. Portage la Peairie, Man. M. Mac Laomuinn, Quincy, Man. Calum Buchanan, Braidalbainn, P. E. I. An t-Urr. E. MacLaomuinn, Grand Metis, Que An t-Urr. I. R. Mac Leoid, Tir Aimhnichean, Iain Mac-an-Tòisich, Oil-thigh Halifax, (50c) Domhnull Boyd, Fraser’s Mills, N. S. Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett, C. B. Seumas Patterson, Loch Bhlackett, C. B. Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett, C. B. Domhnull Mac Fhearghais: Caribou Marsh. Aonghas Mac Leoid, Port Morien. T. C. Mac-an-Tòisich, Malagawatch. Aonghas Mac Cuish, Seann Bhridgeport. Eobhan Mac Aonghais, Allt Dubh Mhria. Seòras Mac Neacail, Cobh-a-Bheabhir. Murchadh Moireastan, Sidni. An t-Urr. M. A. MacCoinnich, Grand River. Ruairidh Mac Philip, North Gut, St. Ann’s. Domhnull Peutan, Leitches Creek, ($2.00) D. I. Mac Leoid, Stirling, Alasdair Mathanach, Boulardarie Center. Calum Gillios, Blue’s Mills. Aonghas Mac Gill-fhaollain, Stewartdale. D. D. Mac Phàrlain, S. W. Margaree. An t-Urr. Calum Mac Leoid, Ceap Nòr. R. Mac Ille-mhaoil, Lorway Mines. A. R. Mac Neill, Lorway Mines. Calum Mac Neill, (Gobha), Reserve Mines. Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines. Aonghas I. Mac Neill, Gillis’ Point. Iain Mac Fhearghais, Port Morien. Ullleam Domhnullach, Marion Bridge. Iain Mac Leoid, Beinn-nan-Sgiathanch. Aonghas Mac Fhionghain, New Canada. Iain I. Mac Amhlaidh, Kennington Cove. Calum Mac Philip. South Gut, St. Ann’s, 50c. Gilleasbuig Mac-a-Phearsain, Glace Bay, 50c. Calum I. Mac Leoid, Beinn Chain, 25c. D. I. Domhnullach, New Glasgow, 25c. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 142] [Vol. 4. No. 18. p. 6] Litir a Lunnainn. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha mi creidsinn gu’m beil sibh a gabhail iongantais ri cho fad ’s a tha sibh gun fhacal idir a dhluinntinn uam, ach a dh’innseadh na firinne dhuibh is ann a chionn ’s nach robh naigheachdan sam bith agam gu thoirt dhuibh a bha mi cho fada na mo thosd. Cha’n ’eil ach gle bheag a dol air aghaidh a measg Gàidheil a bhaile so fad an t-samhraidh Aon uair ’s gu’m beil an latha ’fàs fada agus an aimsir blàth tha coinneamhan caidreamhach de gach seorsa air an leigeil mu lamh agus tha na h-uile neach aig am beil an cothrom a togal air a dh ionnsaidh na Gaidhealtachd agus a fuireach an sin fad ’s a leigeas a dhleasnas leis. Ach a nise tha mhor chuid air teachd air an ais agus thatar a cur chùisean air dòigh airson coinneamhan a gheamhraidh a tha nise cho faisg oirnn. Bha mi-fhein beagan sheachduinean anns an Taobh Tuath o chionn ghoirid, agus chan ’eil mi an duil gu’m faca mi an duthaich riamh coimhead ni b’ fhearr. Bha am bàrr gle mhath anns gach aite anns an do thaoghail mi. Ged a bha an samhradh gle thioram, teth, an Sassuinn cha robh e mar sin anns a Ghaidhealtachd. Nuair a bha sinne anns a bhaile so dlùth air a bhi air ar ròsdadh leas an teas agus ann an droch staid le gainne an uisge, bha ’Ghaidhealtachd air a beannachadh le frasan prìseil, urachail, agus an àm an fhoghair bha buil so ri fhaicinn air gach raon. COMUNN GAIDHEALACH LUNNAINN. Tha’n Class Gaidhlig a bha air a chuir air chois leis a chomunn so o chionn beagan bhliadhnachan gu bhi air a chumail leo air a gheamhradh so ann an Oil-thigh an Righ agus aig a chiad choinneamh, seachduin bho maireach, tha Marcus Tullebardine, Oighre an Diuc Athollaich, gu bhi anns a chathair. Tha teaghlach Athoill airidh nir mor chliu airson gur iad an aon teaghlach de ard-uaislean na Gaidhealtachd a tha taisbeanadh an gradh do ar cainnt le bhi ga teagasg do gach neach de’n cuid cloinne. Chuala mi-fhein am Marcus ag radh gu’n robh e deich bliadhna dh’aois mun robh e air a cheadachadh dha facal a labhairt an cainnt sam bith eile ach a Ghaidhlig. Tha’n Class gu bhi air a theagasg am bliadhna mar a bha e roimhe so leis an Leighich Macilliosa agus Iain Mac Coinnich. Bho’n a tha duil aca ri aireamh ni’s mo de luchd-ionnsachaidh air a bhliadhna so, bithidh iad air an cuideachadh le Iain Seoras Mac Aoidh—Gaidheal og a dh’ionnsaich cainnt a dhuthcha anns a bhaile so fein. Bha mi gle thoilichte fhaicinn an la roimhe bho chunntasan Fear-cumail Clar-cuimhne na Rioghachd, gur iad na siorramachdan sin ann an Albainn agus an Eirinn anns am mò tha de’n Ghaidhlig air a labhairt, gur iad sin na h-àitean anns an lugha gheibhtear de mhi-bheus agus de chionta. Nach iongantach an ni e gu’m faigh sinn na h-uiread de dhaoine leis am miann a bhi ga’n ainmeachadh fein air a Gaidhealtachd a tha aig a cheart àm a deanamh na dh’fhaodas iad gu bhi cur as do chainnt aig am beil a leithid so de bhuaidh orrasan a tha ga cleachdadh. CABAR-FEIDH. 23, 10, ’95. Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha mi dol a thoirt ionnsuidh eile air sgriobhadh ugaibh, ged nach d’thug sibh àite do’n litir mu dheireadh a sgriobh mi ’san earrach s’a chaidh. Tha mi làn chinnteach nach b’ann le tàir a dh’fhàg sibh a mach i, oir tha fhios agaibh nach eil neach sam bith iomlan. ’S ni furasda coire fhaotainn do obair dhaoin eile. Tha e na chleachdadh aig cuid a dhaoine bhi ghnàth ’faotainn coire do’n co-chreutairean, mar nach biodh fàillinn sam bith annta féin,—iad a feuchainn ri smuirnean a thoirt á sùil am brathar ’nuair tha sail ’nan sùil fein. Chuala mi iomradh air ball eaglais a bha ghnath a’ faotainn coire do’n mhinnisteir nach deanadh e searmon na b’fhearr, ag radh gu’n deanadh e fhéin a cheart ceo math ris. Thainig so gu cluas a mhinisteir, agus latha de na laithean, chaidh e suas do’n chùbaid mar a b’àbhaist, chunnaic e a charaid a bha faotainn coire dh’a shearmonachadh na shuidhe an ceann eile na h-eaglais agus thuirt e ris, “Iain ma ’s e do thoil e, thig a nios do’n chùbaid agus dean an searmon air mo shon an diugh; cha’n eil mise ’gam fhaireachdain fhéin gu math.” Ghabh Iain suas gu spalparra, thug e mach salm, agus an deigh a sheinn rinn e ùrnuigh; fhuair e air adhart gu math cho fad so. Thug e an sin a mach ceann-teagaisg, ach cha deach e fad air adhart ’nuair a stad e. “Gabhaibh mo leisgeul a chàirdean,” ars esan; “cha’n eil e cho furasda searmon a dheanamh ’sa bha mi ’n duil, thigibh féin a nios a mhinistir, ma ’se ur toil e.” Bha Iain ’na shruthan fallnis ’nuair a chaidh e sios d’a àite-suidh, agus cha chualas gearain aig an duine chòir tuilleadh air searmoin a mhinistair. Sin mar tha moran da’n t-sluagh; ’nuair a dh’fheuchas iad ri rud a dheanamh iad fhéin, cha’n eil iad cho math air an obair ’sa shaoil iad. Tha ’n samhradh ’s am foghradh air falbh, agus tha reothadh agus stoirmeannan a gheamhraidh a nis a teachd dluth oirnn, a toirrot bhaidh dhuinn a bhi deanamh deas air son a theachd, oir thig e ni’s luaithe na shaoileas sinn. Bha samhradh gle thioram againn an so air a’ bhliadhna so. Bha ’m bàrr glé ghoirid, agus tha biadh spréidhe gle ghann, oir cha’n eil leth an fhodair ann ’sa b’àbhaist a bhi ann. Tha’n siol a tionndadh a mach fuasach math, agus agus tha gach seòrsa gràin saor. Tha’n coirce ’creic air 20c us 22c am buiseil, cruinneachd air 50c us 55c am buiseil, peasair 50c. Tha fiar frasach gann, agus a’ creic air $15 us $20 an tunna agus fodar air $9 an tunna. Tha ’m buntàta math agus mor; tha e ’creic air son 25c am poca, 90 punnd. Cha robh measan sam bith againn air a bhliadhna so; thug reothadh an t-samhraidh a bhlàth bhar nan craobhan tràth ’san t-samhradh. Tha frasan mòra sneachda againn air an àm a tha mi ’sgriobhadh so, ach tha dòchas math againn nach eil an geamhradh againn fathast. Cha d’fhuair sinn am buntata bhuain air fad fathast. Bha moran tinneis againn air an t-samhradh so. Chaochail mòran de dhaoine, sean agus òg, agus a réir coltais cha bhi ’n ùine fada gus am bi tuilleadh ’gan leantuinn. Thainig moran de dh’òigrìdh dh’ionnsuidh an t-saoghail mar an ceudna. Tha cuid eile a pòsadh, agus mar sin sios. Chunnaic mi ainmean Iain S. Black agus Alasdair ’Ic Calumain air an fheadhain a tha faotainn a MHAC-TALLA ’sa choimhearsnachd so. ’Se Mr Black Cléireach na comhairle (Township Clerk) againn ann am baile Ghlinneilg, oifig a lion e le mor-onair a nis o chionn choig bliadhna deug. Tha mi an dòchas gu faic mi pàirt de chuid sgriobhaidh anns a’ MHAC-TALLA mu’n teid moran ùine seachad. Agus b’fhearr leam gu’m biodh am MAC-TALLA na mheadhon air bean fhaotainn do dh’Alasdair, oir cha d’fhuair e té riamh fathast, ged is math an airidh air bean mhath e. Tha mi smaoineachadh gu sguir mi [TD 143] [Vol. 4. No. 18. p. 7] air an àm so. Rachadh agam air tuilleadh a radh, ach tha e feumail beagan a ghleidheadh air son àm eile. Slàn leibh an dràsda, an dòchas gu bheil sibh féin ’s ur cuideachd gu math, agus gu bheil àireamh a MHAC-TALLA a sior dhol am meud. Is mi ur caraid, IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Ont., Oct. 20, ’95. Am measg na feadhnach a thainig a nall á Alba ’sa rinn dachadhean dhaibh féin ann an Canada, bha cuid anns an robh fior fhuil uasal. Tha fear Seumas Graham a fuireach ann an Toronto a tha ’g agairt coir air an tiodal, Iarla Mhonteith; ann an siorrachd Ghlinn-Garraidh, tha fear a tha ’g radh gur e ’s ceann-feadhna do na Siosalaich; agus thatar a deanamh mach gu bheil ann an Ceap Breatunn cuid de dh’oighreachan seann Mhorairean Lochabar. Aig an àm-taghaidh mu dheireadh, bha duine àraidh a liubhairt òraid aig coinnimh mhòr ann am baile Pheairt agus feadh ’s a bha e labhairt dh’fhosgladh dorus na Talla agus thàinig duine a steach a ghlaodh a mach ard a chinn. “An urrainn do neach sam bith an làthair fiach sia sgillinn de thùr a reic rium?” “Is urrainn,” thuirt an t-oraidear, “ach cha’n ’eil àite agad anns an cuir thu e.” Bha’m bàrr glé mhath ann an riorrachd Ghlinn-Garraidh air an fhoghar so, agus tha na tuathanaich glé riaraichte leis. Bhuain Dughall Mac-a Mhaighstir, anns an Lagan, tri fichead buiseal cruinneachd á pàirce anns ’n do chuir e da bhuiseal, a dheich urad fhichead ’sa chuir e. Air an treas latha deug de dh’October chaochail ann an Gleann-eibhis, Ont., Somhairle Mac Leòid, an duine bu mhotha bh’ann an siorrachdan Ghlinn-Garraidh, Stormont, agus Dundas. Bha e sia troidheam us naodh òirlich a dh’àirde, Anns a’ bhliadhna 1835 bha seann duine còmhnuidh ann am baile Mhontrose do’m d’ainm Seumas Grannd, a bha aig Blàr Chul-fhodair. Bha e aig an àm sin ceud agus ochd bliadhna a dh’aois. Tha’n dàrna h-àireamh de’n phaipear ùr Albannach, The Fiery Cross, a mach. Tha e ’na phaipear gasda, agus cha’n eil teagamh nach soirbhich leis. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 144] [Vol. 4. No. 18. p. 8] ORAN GAOL. LE AILAIN M AC-A-LEITH. LUINNEAG. A Mhari mhiogach, mheallshuileach, Cha treiginn fhin air cheannach thu; Chan fheil mi sgith dhe d’ leannanachd, Ge fada fuireach bhuait mi Gur fada leam an ràidhe so, Gun neach ri pris a ghàire rium On dhealich luchd mo mhànrain rium, ’S a dh’ fhag iad thar a chuain mi. Mar bhradan boidheach mion-lannach, S e ’leum air uisge liomharra,— Tha Mari aluinn fhinealta, ’S a dh’ fhag iad thar a chuain mi. Do chùl donn dathte, camagach, Nuair chireadh tu ’sa mhaduinn e, ’Sa ghrian, ag oradh dhathan air; ’S gur fad’ e thar do ghuallainn Do ghruaidhean bòidheach min-dhearga Mar ròs air chrannaibh fior-mhatha; Sùil chorrach a’s glan lionadh, ’S i fo mhala ghrinn gun ghruaman. Gur binne guth na h-euchdaige Na fiodhall theud ’n uair ghleusar i; Mar iobhairi do dheudach Is cha’n éisd thu ri fear-fuadainn. Troigh gheal mar shneachd’ air dhùth-bharrach, ’S gur socrach am bròig shùmhail i; Is math a thig an gùn dhuit Ann am fasan ùr nan gruagach. Is tu mar eala bhàin, mhaisich, A bhiodh air loch ’s na fàsaichean; Gur fada tilgeadh deàrrsaidh thu ’S do chruth ’cur àille snuaidh ort. Is math a thig na làmhainnean Air rìbhinn nam bas bàn-gheala, Meur grinn thu air an t-snàthaid ’S tu an seòmar árd a’ fuaigheal. Is tha thu aoibheil, iriseal, Cha’n fhaicear fraoch no frionas ort. Do ghaol cha’n fhàg mo chridhe-sa Ge tric a dol thar cuain mi. Tha fonn neo-throm r’a fhaicinn ort, Gur lionmhor conn an taice riut; Gur h-aoibheil ri luchd-aineoil thu. Cha leig thu falamh bhuait iad. Tha rùn nan ceud gun fhios agad, ’S cha léir dhuit e ged chithear e; Do bheul cha deanadh miodal rium Ged bhiomaid ann an uaigneas. ’S e rìgh nan gaol a thàlaidh mi ’S a chuir a taobhsainn Màiri mi; ’Nuair shaoilinn a bhi ’n gràin oirre, ’S am bhithinn làn de luaidh oirr.’ Anns gach truaighe far am bheil athleasachadh comusach, biodh mi-fhhighidinn air a seachnadh, do bhrigh gu’m bheil i a’ call agus a’ caitheadh na h-ùine sin ann an gearainibh a bheireadh le buileachadh ceart an t-athleasachadh sin mu’n cuairt. CLACHAN GHLINN-DARUAIL. LE AONGHAS MAC-AN-FHLEISDEIR. LUINNEAG. Mo chaileag bhian-gheal, mheall-shuileach A dh’ fhas gu fallain, fuasgaillt’, Gur trom mo cheum on dhealich sinn Aig clachan Ghlinn-Daruail. Di-donhmich rinn mi chomhlachadh Bean og a’s mhodar gluasad; Tha ’guth mar cheol na smeoriche, ’S mar a bhil an rois a gruaidhean. Is caoin a seang shlios furanach, Neo-churaidh a ceum uallach; Tha gairdean ban gle chumadail, ’S deud lurach na beul guamach. ’S ro fhaicilleach ’na comhradh i, Gun sgilm, gun sgleo, no tuialeas; Gur flathail ’coiseachd shraidean i, Air bheagan stait no guaineis. Ged bheireadh Seoras aite dhomh Cho ard ’sa tha ’measg uaislean, Air m’ fhacal ’s mor a b’ fhearr leam A bhi ’n Coir’-a-chnaimh ’am bhuachill’. O, ’s truagh nach robh mi ’s m’ ailleagan Air airidh ’n cois nam fuar-bheann! Bu shocair, seimh, a chaidilinn ’S i ’m achlais air an luachir. Cha suaimhneas oidhch’ air leaba dhomh, Ga t’ fhaicinn ann am bruadar; ’S am Biobull fein cha laimhsich mi, Gun t’ iomhigh ghraidh gam bhuaireadh. Nuair b’ fhileant’ briathr’ a mhinisdir A fiosrachadh mu ’r truailleachd, Bha mis’ a coimhead durachdach Na seirc ’tha ’d shuil neo-luaineach. Ged shuidheas Cleir na tirr leam S mi ’sgnobhadh dhaibh le luath-laimh, ’S ann ’bhios mo smuaintean diomhaireach Air Sine dhuinn a chuach-fhuilt. Ach ’s eagal leam le m’ cheileireachd Gun gabh an seisein gruaim rium; Ged dh’ fhogradh iad do’n Olaint mi Ri m’ bheo cha doir mi fuath dhuit. Tha sguabadh nan stràidean a’ cosg do bhaile-mor Pharis còrr us muillein dolair ’sa bhliadhna. Tha uisgeachadh nan stràidean, ged thatar ’ga dheanamh air an dòigh a’s fhearr ’s a’s saoire ghabhas e, a’ cosg ceithir cheud mile dolair ’sa bhliadhna. ’Se Paris fear de na bailtean a’s glaine air a chumail a tha air an t-saoghal. Am deigh Blàr Chul-fhodair, fhuair na saighdeirean Sasunnach naoidh diag de Ghaidheil leòinte anns na coilltean mu thimchioll Taigh Chul-fhodair agus dh’òrdaich Diùc Chumberland iad a bhi air am mortadh. Cha robh iad comasach air seasamh agus màr sin chuireadh iad ri taice a’ gharaidh, agus loisg na saighdeirean orra gus an do thuit am fear mu dheireadh diubh. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 145] [Vol. 4. No. 19. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 16, 1895. No. 19. Beachdachadh. Bha manach Turcach uair air turas, agus air dha bhi dol troimh fhàsach leis fhèin, thachair da cheannaiche air. “Chaill sibh càmhal,” ars esan ris na ceannaichean. “Chaill gu dearbh,” ars iadsan. “Bha e dall air a shùil dheas, agus crùbach air a chois chearr, nach robh?” ars a manach. “Bha, gun teagamh,” ars na ceannaichean. “Agus nach robh e air a lòdadh le mil air an darra taobh agus le cruithneachd air an taobh eile?” “Bha, gu cinnteach,” fhreagair iadsan, “agus o’n chunnaic thu e o chionn ghoirid, ’s gu’n do ghabh thu beachd cho sònruichte air, cha’n eil teagamh nach teid agad air ar seòladh far am beil e.” “A chàirdean,” ars am manach, “cha’n fhaca mise ur càmhal riamh, ’s cha mhò a chuala mi diog uime ach na chuala mi uaibh féin.” “Seadh, direach, ’s coltach an sgeul sin,” arsa na ceannaichean, “ach c’àite ’m beil na seudan a bha còmhla ris a mhil ’s ris a chruithneachd?” “Cha’n fhaca mi aona chuid ur càmhal no ur seudan,” ars’ am manach. Air do na ceannaichean so a chluinntinn, ghlac iad e, agus ghreas iad leis gu breitheamh a bhaile a b’fhaisge orra; ach an deigh a rannsachadh, cha d’fhuaireadh ni aige a bhuineadh dhaibh-san, ’s cha mhò a fhuair iad bonn sam bith air fhaotainn ciontach de mheairle mo de dh’innse bhreugan. Bha iad a’ dol ’ga thoirt gu tagradh air son busdseachd, ’nuair a labhair am manach ris a bhreitheamh gu ciùin, stòlda, mar a leanas;—“Bha e ’toirt spòrs mor dhomh a bhi ’gur n-éisdeachd, agus feumaidh mi aideachadh gu robh aobhar agaibh a bhi amhrusach da’m thaobh; ach tha mise ’fas sean, chuir mi moran de m’ ùine seachad am aonar, agus theid agam air moran beachdachaidh a dheanamh eadhon ann am fàsach. ’Nuair a chunnaic mi lorg a chamhail’ dh’aithnich mi gu robh e air chall do bhrigh nach robh lorg duine ri fhaicinn ’na chois. Bha fhios agam gu’n robh ’n càmhal air leth shùil a chionn nach robh e ag criomadh an fheòir ach air aon taobh dhe’n rathad; agus gu robh e crùbach a chionn nach robh té de ’chasan a’ deanamh luirg cho domhain ri càch. Thuig mi cuideachd gu robh fiacail ga dhith, oir gach àite anns ’n do chriom e, bha badan dhe’n fhiar air fhagail slàn am meadhon gach greime. Agus a thaobh an eallaich a bh’air, le amharc air àite ’s ’n do laidh e, dh’innis na seangain dhomh gu’m bu ghràn a bh’air an darra taobh; agus na cuileagan gu’m bu mhil a bh’air an taodh eile.” A Framboise. Is fada bho’n a bha mi’n dùil sgriobhadh ad ionnsuidh ach gus a so cha robh sin furasda dhomh. Cha robh moran naidheachdan agam ri innse dhuit co-dhiu; ach aon naidheachd mhath a th’ agam gu robh am bàrr feoir agus arbhair anabarrach math againn air an fhoghar so, agus cha robh am buntàta bho chionn àireamh mhòr bhliadhnaichean cho pailt. Cha do chuir an daolag dragh mòr sam bith oirnn ré an t-samhraidh ged a bha i glé sgriosach an àiteachan eile agus mar sin fhuair am buntàta cothrom ni b’fhearr air fàs. Bha’n t-iasgach glé mhath, fad an t-samhraidh, ach bho thoiseach an fhoghair bha ’n t-side car stoirmeil airson iasgach truisg, ach rinneadh glachdadh mor sgadain air na cladaichean, gu h-àiraid a mach a Fourchie. Cha’n ’eil prìs an sgadain ach iosal an dràsda agus thatar ga reic airson da dholair gu leth am barailte; cha’n eil moran buanachd aig an iasgair bhochd dheth mar sin, ach ’s beag a shaoileas fear aig baile, ga gharadh ri éibhil sin. Bha na giomaich gu math pailt ri’ m faotuinn fad an t-samhraidh, ach a phris na b’isle na bha i bho chionn a dha no tri shamhraidh. Ach tha cuideachd a mhuinntir Nova Scotia a’ togail tigh mòr airson cuir suas ghiomach air a chladach so, agus cha’n eil teagamh nach bi a phrìs na’s fhearr againn air an t-samhradh s’a tighinn a thoradh air sin. Tha’n George MacKenzie, an t-inneal cladhaich (dredge) a bha ri cladhach acarsaid Fourchie bho thoiseach an fhoghair an deigh laidhe suas airson a gheamhraidh; dh’fhas an t-side gle stoirmeil air a son. Rinn iad obair mhath fhad ’sa bha iad ris agus tha iad an dùil gu’n tòisich iad a ris cho luath ’sa cheadaicheas an aimsir dhaibh air toiseach an t-samhraidh. Bha iad a glanadh air falbh meall mor de làthaich ’s de chriadh a chruinnich am beul na h-acarsaid tha mi ’creidsinn ri linn Oisein, agus a bha ’cur grabadh mor air soithichean ’sair bàtaichean a bhiodh a dol a mach ’sa steach. Tha iad an dùil sin uile a ghlanadh as agus a ris na h-aiteachan is ao-doimhne a stigh a chladhach nis doimhne; is mor is fheairrde i an sgùradh ud a thoirt dhi, agus bhatar a’ bruidhinn air tigh-soluis a thogail aig a beul an uair a rachadh a cladhach. Ach cha’n eil cùram gu’n toir e moran soluis bhuaithe a cheud ghreis. Tha sinn gle riaraichte co-dhiù leis na fhuair sinn aig an àm. Thatar gus Tormod Mac Asguill a chumail mar chomhairliche na trì bliadhna so fathast. Tha e nis uin’ fhada ’san dreuchd sin, agus cho freagarach, tha sinn a creidsinn, ri aon duine dh’fhaodamaid a thaghadh airson na dreuchd. ’S mar sin cha’n eil duine a’ ruith na aghaidh. Ged a dh’fhuiling e call mor le teine toiseach an t-samhraidh, cha robh a chothrom riamh a coimhead cho gealltannach ’sa tha e ’n duigh. Tha am ministeir againn, an t-Urr Calum Mac Leòid agus a baean, air chuairt am Boston an dràsda. Bithidh iad air falbh ceithir Sàbaidean. Chi e moran a dh’òigridh Cheap Breatuinn, ’sa bhaile mhor ud, agus cuid mhath de dh’ òigridh a choimhthionail aige fhéin a bhios toilichte fhaicinn ’sa chluinntinn; ma gheibh e uireid caoimhneis uapa air an turas so sa fhuair e ’n uiridh ’se bhios ann gu’n deònaicheadh e dhol ann na bu trice. Gheibh sinn searman na dha o’n Urr Mr Sinclair am feadh ’sa bhios e air falbh. CEANN LIATH. 6, 11, ’95 [TD 146] [Vol. 4. No. 19. p. 2] AN CEANNAICHE GLIC. Tha lionmhorachd sluaigh ’s an t-saoghal so a ta le ’n giulan fein a’ fireanachadh cosamhlachd an Stiubhairt eucoraich. Tha e air innseadh dhuinn gu ’m bheil “Clann an t-saoghail so ’n an ginealach fein ni ’s glice na clann an t-soluis,” agus tha e ro fhior. Ceart direach mar sin bha ’n ceannaiche glic air am bheil sinn ’dol a thoirt iomraidh, d’ am b’ ainm Seumas Mac Uilleim Mhic Alasdair. Bha e a chomhnuidh ann an Garaidh-Mhuiltein far an robh buth mor, deagh thigh, agus teaghlach aige. Bha Seumas Mac Uilleim ’n a dhuine ro churamach, teoma, fad-sheallach, agus mar choimhearsnach bha iomadh deagh bhuaidh air. Bha e cairdeil, comunnail, coingheallach, agus ro thaitneach ann an comhradh. Bha e, gidheadh, ’n a nadur fein crion, spiocach, cruaidh, agus fein-speiseil, agus an deigh sin cha soradh e comain a chur air caraid, agus dragh nach bu bheag a ghabhail chum deagh ghniomh a dheanamh do neach sam bith a bhiodh ’n a eiginn. Cha chaomhnadh e saothar na coluinn chum neach a riarachadh, ged nach bu mhaith leis aon sgillin ruadh a chur mach chum neach a theasairginn ’s an sgailc a’s mo. Bu cheannaich e ann an aon de na h-Eileanaibh ann an aird-an-iar na h-Alba. Bha buth mhor aige ann am meadhon na sgireachd ’s an d’ rugadh ’s a thogadh e. Cha robh ni, ach beag, fo’n ghrein nach faighteadh ann am buth Shaumais Mhic Uilleim. Bha i mor, farsuing, le seomar-cuil, agus le seileirean, agus ionada-tasgaidh air an deanamh gu h-iosal fo ’n urlar. Ceithir thimchioll bha sgeilpichean air an caramh gu riaghailteach, agus air an suidheachadh aig astairean freagarrach o cheile le laimh innleachdaich Sheumas fein. Cha robh ionad falamh ’s an tigh air fad. Bha gach cuil agus oisinn air an cur gu deagh bhuil. B’ eiginn do’n chuis a bhi mar sin, do bhrigh gu ’n robh bathar de gach uile sheorsa ’s a bhuth;—seadh, eudaichean de gach gne, agus gach sgeudachadh a bha feumail do ’n duine o ’bharr gu bonn, o’n bhoineit gu broig,—gach ni ’n aon fhocal, air son fir no mna, a thaobh an cinn, an cosan, no an coluinn. Bha leann-laidir, leann-caol, portair, fion-geal agus dearg, beoir-dhubh,—spiorada de gach seorsa,—aran, im, caise, ti, suicar, coffi,—obair-iaruinn, agus mar sin sios, ann am buth Sheumais. Cha robh seachduinn ’s a’ bhliadhna anns nach robh Seumas a’ faotuinn luchd nan carn de bhathar bog agus cruaidh as an taobh-deas, agus gach seachduin bha e ’cur moran a mach, cuid air chreideas, agus cuid air son airgid ullaimh. Ge b’e ciod a bhiodh a dhith air duine, bha e cinnteach gu ’n riaraicheadh Seumas Mac Uilleim e. Re aireimh bliadhnaichean bha gnothuichean a’ soirbheachadh gu grinn, taitneach le Seumas, ach mu dheireadh thainig atharrachadh air cuisibh. Dh’ fhas na h-amanna cruaidh. Thog bochduinn a ceann am meag an t-sluaigh. Bha moran diubh gu trom air an saruchadh, agus cha robh iad a’ seasamh an creideis, no ’cumail an geallanna ris a’ cheannaiche mar anns na bliadhnaibh a dh’ fhalbh. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ thug an airc a’s an eiginn caochladh mor air nadar nan Gaidheal bhochda. Cha robh e idir co furas doibh creideas a chumail riusan an robh iad a’ deanamh an gnothuichean fein, agus dh’ fhas iad a’ chuid ’s a chuid ni ’s caoin-shuaraiche air an dleasnas a dheanamh air an doigh sin. Ged a chitheadh an Ceannaichte Glice, mar a theireadh iad ris, ceart co fada troimh ’n cloich-mhuilinn ri duine sam bith eile, gidheadh, b’ eiginn da moran a thoirt air dail, agus dh’ aindeoin a chrionntachd agus a churaim, bha corr is mile punnd Sasunnach a mach aige, agus dh’ fhairtlich air ach neoni fhaotuinn a stigh dheth. Ghnathaich e gach innleachd ’n a chomas chum greim fhaotuinn air na fiachaibh aige, ach fathast cha deachaidh a’ chuis leis. Dh’ fheuch e ri sodal, ri miodal, agus ri cainnt chiuin, thla, ach cha deanadh sin an gnothuch. Bhagair e, an sin, ceumanna cruaidh a ghabhail, agus mhaoidh e an lagh orra, ach cha robh gnothuichean idir ni b’ fhearr, ach moran ni bu mhiosa. An sin, bha ’n ceannaiche bochd ann an cruaidh sgailc; cha ’n e nach robh gu leoir aige, oir rinn e na miltean, ach bha a chridhe air a shuidheachadh gu teann air na fiachan a bha aige a mach, agus cha robh sin idir iongantach, oir co nach bitheadh? Mu dheireadh cha robh e ’faotuinn codal na h-oidhche. Bha e ’dol do ’n leabaidh ach cha dhunadh e suil. Bha e a’ luasgadh a null ’s a nall, ag eirigh agus a’ luidhe, a’ caoidh agus ag osnaich, an uair a bha gach neach ’eile ’s an tigh ’n an suain. Bha eagal air a chairdibh gu ’n rachadh e as a rian. Bha na h-uile a’ cur beachd air a’ chaochladh a thainig air Seumas Mac Uilleim. Bha cuid fo bhron air a shon, agus bha cuid eile caoin-shuarach m’a thimchioll. B’e sin direach cleas an t-saoghail. Mu dheireadh thainig innleachd ’n a inntinn, agus smuainich e n’ an rachadh aige air a cur an gniomh, gu’m biodh gach ni ceart maille ris fathast. Ach a chum gu ’n tuigear an innleachd so, feumar na meadhonan a mhìneachadh trid an do chuireadh an gniomh i. Bha leth-sheann bhoirionnach d’ am b’ ainm Seonaid Nic Ruairidh, a fantuinn ann an bothan beag mar mhile astair o thigh a’ cheannuiche. Bha Seonaid luaineach ’n a nadur, agus a’ gabhail mor-thlachd ann a bhi ’taoghal air na h-uile, a’ faotuinn agus a’ giulan gach naigheachd fo ’n ghrein. Chuireadh i deagh chaoin air gach comhradh, agus dh’ aithriseadh i gach ur-sgeul le deagh riadh ann an cluasaibh gach neach a bheireadh eisdahchd dhi. Cha b’ urrainn Seonaid ni sam bith a chealachadh a chluinneadh i, ged a bhiodh e chum dochuinn dhi fhein. Bha da phunnd Shasunnach agus corr beag aig a’ cheannaich air Seonaid, ach ged ’bha e cinnteach as an airgiod aice, aig am sonraichte anns am b’ abhaist di cordadh ris, gidheadh b’i Seonaid an t-inneal trid an do steidhich e air an inleachd aige a chur an gniomh. Air la de na laithibh thainig Seonaid a stigh do ’n bhuth, agus chuir i failt air Seumas Mac Uilleim, aig an robh dha no tri litrichean mora, agus co fada ri broig ’n a laimh. “Failt ort an diugh, a’ Sheumais” arsa Seonaid, “Ubh! ubh! is mor na litrichean a th’ agad an sin, cha’n fhac mi an leithid riamh. Cha’n fheud e bhi nach ’eil naigheachdan an t-saoghail annta sin a thaobh am meud.”—“Cha’n ’eil, a Sheonaid choir,” deir an ceannaich, “ach tha naigheachdan gle thaitneach annta d’ am thaobh fein, ach cha’n fheud mi smid a radh mu ’n timchioll car uine, cha’n fheud,—cha’n fheud,”—“Od! Od! a Sheumais choir, na abair sin idir; tha deagh fhios agad nach mise na h-uile te, agus nach sgaoil mise na naigheachdan agad fhad ’s is beo mi,—innis domh, a charaid, ciod a th’ ann,—innis domh, oir tha fios agad gu’m bheil deagh dhurachd agam duit, agus nach tig mi thairis air smid dheth ri neach fo ’n ghrein.”—“Cha’n ’eil mi air son sin a dheanamh idir, a’ Sheonaid, cha’n ’eil gun teagamh, ach do bhrigh gu ’m [TD 147] [Vol. 4. No. 19. p. 3] bheil mi gle eolach ort, agus gu’m bheil mi lan-chinnteach nach innis thu do chreutair air thalamh e, leigidh mi ris duitse na cuisean mu ’m bheil na litrichean so air an cur ’n am ionnsuidh; ach feuch, a bhan-charaid, gu ’n cum thu an uaigneas e. Tha fios agam, a Sheonaid, gu ’m bi thu anabarrach toilichte a chluinntinn gu ’m bheil mise a nis ’n am dhuine saibhear, oir tha na litrichean so a’ cur an ceill domh gu ’n d’ fhagadh miltean gun aireamh anns na h-Innsibh dhomhsa, le brathair athar domh a chaochail an sin. Uime sin, bheir mi gun dail thairis a’ bhuth, ceannaichidh mi oighreachd fearainn, agus gabhaidh mi an saoghal gu socaireach tuille. Ach, a’ Sheonaid, chum innseadh dhuitse nach aithris e, cuiridh mi an ceill dhuit ciod a tha mi ’cur romham a dheanamh. Tha moran fiachan agam a mach, a’ Sheonaid, tha na miltean, ach cha ’n ’eil annta ach neoni dhomhsa a nis. Tha mi dol a mhaitheadh nam fiach sin do na h-uile mar thiodhlac deagh ruin uam fein, ach feumaidh iad an toiseach am paigheadh, agus an ceann miosa an deigh sin, bheir mi do gach neach gach sgillin diubh air ais a ris, an uair a thig iad an rathad. Ach, air na chunnaic thu riamh, a’ Sheonaid, na tig air so do neach sam bith, oir cha’n ’eil mi ’g iarraidh a bhi ’g eigheach aig oisinnibh nan sraid an gniomh beag so, a tha mi ’cur romham a dheanamh. Faiceam do chunntas beag fein, a Sheonaid,—tha e ’s an leabhar so,—seadh,—so e,—direach da phunnd is sea tasdain. Cha’n ’eil ann nach neoni. So dhuit, a’ Sheonaid choir, tri puinnd Shasunnach, agus gearraidh mi mach as an leabhar thu. Ni mi an cleas ceudna ris na h-uile, an uair a dh’iocas iad na fiachan aca, agus a thaoghlas iad orm an ceann mhiosa an deigh sin; ach, mar a thubhairt mi, a Sheonaid choir, cumso uile agad fein.” Dh’ fhalbh Seonaid gu surdail, sunndach leis na tri puiund Shasunnach ’n a dorn, agus mu ’n deachaidh i dhachaidh, chaidh i do thri aitean fa leth le gairdeachas a dh’ innseadh mu ’n fhortan a thainig air Seumas Mac Uilleim, agus mar bha e ’runachadh a dheanamh ri ’luchd-fiach! Is maith a bha fios aig a’ cheannaich ciod a dheanadh Seonaid, agus gu ’m biodh an naigheachd air a sgaoileadh am fad ’s am farsuing mu ’n rachadh da la seachad. Ach a nis, chum an sgeul a dheanamh goirid, shoirbhich gach ni leis an innleachd so a dhealbh an ceannaich. Bha ’bhuth aig Seumas Mac Uilleim Mhic Alasdair lan sluaigh gach la an deigh sin, agus gach neach ag iocadh nam fiach air muin a ’cheile gu toilichte, agus a’ gabhail na slighe dhachaidh. An uair a chualadh an sgeul, agus gu sonraichte an gniomh cairdeis a bha ’n ceannaich gu dheanamh, rinn gach neach air an rohh fiachan aige strith chruaidh air an airgiod a chruinneachadh, le bhi ’g a ghabhail an iasad, agus le innleachdaibh eile, gus mu ’n deachaidh mios uine seachad, nach robh sgillin ruadh aig Seumas Mac Uilleim air anam beo! Ach feudar a smuaineachadh gu ’m bu mhor mealladh-dochais nan uile, an uair nach cualas riamh guth air an airgiod fhaotuinn air ais. Cha robh greim no gealladh aca air, agus cha d’ fhuair an ceannaich ach a dhlighe fein. Gidheadh cha d’ rinn e gu ceart, agus cha ruigeadh e leas duil a bhi aige gu’m biodh beannachd an Fhreasdail air fein, no air a’chuid. Cha robh treibh-dhireas no firinn anns an innleachd a rinn e. Cha robh idir. Ghnathaich e seoltachd an Stiubhairt eucoraich, agus le sin ghlac e an cothrom gu buannachd a dheanamh á faoineachd agus miann boirionnaich ghoileamaich, chum a ruinte fein a chur air an aghaidh. Rinn e an ni sin a bha peacach ann fein chum a leas aimsireil fein a chur air aghaidh. Cha b’ fhad gus an d’fhuaradh a mach an innleachd eucorach aige, agus mar dhioghaltas air a shon, rinn muinntir na duthcha air fad an cinn a chur r’a cheile nach ceannaicheadh iad ni sam bith tuilleadh á buth Sheumais Mhic Alasdair. Ni mo a rinn iad. Sheas iad uile gu daingean anns an run so, agus chaidh am bathar aig a’ cheannuich a chuid ’s a chuid a dholaidh ’n a bhuth. B’ eiginn da mu dheireadh an dorus a dhunadh, agus air da a bhi air a mhaslachadh ann an sgireachd a bhreith dh’ fhag e an duthaich, thug e na talmhainnean a mach air, agus cha chualas riamh iomradh air ciod a dh’ eirich dha. SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal. AN DOIGH AIR SEARMON A DHEANAMH GOIRID.—Thug seann mhinistear ann an siorrachd Bhaniff cuireadh do mhinisteir òg a bha air teachd a mach á colaiste air son a cheud shearmon a’ liubhairt anns an eaglais aige féin air an ath Shàbaid. Anns a mhaduinn air an rathad do ’n eaglais dh’ fheòraich an seann mhinistear dhe ’n t-searmonaiche òg, “De cho fad ’sa bhios an searmon agad, a Sheumais?” B’e am freagradh a fhuair e, “Mu thiomchioill tri chairteil na h-uarach.” “Hut! Hut! Cha dean sin an gnothach,” arsa an seann duine; “tha coinneamh seisean ann an deigh na seirbheis, ’s bi’dh na daoine air bainidh ma bhios iad ro fhada gun faighinn dhachaidh gu ’n dinneir; feumaidh tu a dheanamh ni’s giorra.” Fheagair an duine òg, “Tha e agam an so, ’s cha’n urrainn mi dheanamh aon chuid fada na goirid; feumaidh mi thoirt seachad direach mar a tha e.” Bha sùil aig an t-seann mhinistear beagan fhacal a radh aig toiseach na seirbheis, ach air eagal ùine chosg cha dubhairt e dad. ’Nuair a bha an t-seirbheis seachad ’sa thainig an t-òganach a nuas as a’ chùbaid, chuir an seann mhinistear a làmh air a ghuallainn, ’s thuirt e ris; “a Sheumais innsidh mise dhuit gu de ni thu ris an t-searmon ud; glaodh a h-uile da dhuilleag dhe ri ’chéile; ni sin gu math na’s giorra e, agus cuiridh e iongatas mor ort cho beag sa ni e do eadar-dhealachadh na bhrigh.” STAD GUN SGUR.—Bha e ’na chleachdadh aig seana bhean uasal Albannach a bha fuireach fada bho ’n eaglais a bhi ’dol a dh’ ionnsaidh na seirbheis ann an carbad. ’Nuair a shaoileadh an carbadair gu ’n robh an searmon gu criochnachadh, ghoideadh e mach gu sàmhach air son an carbad fhaighinn deas. An deigh an carbad fhaighinn aon la, thill e gu dorus na h-eaglais ’s bha e dol mu ’n cuairt gus ’n do ruith e mach á foighidin. ’Nuair a bha e seachd sgith a feitheamh, chuir e ’cheann a stigh air an dorus ’s chual e am ministear a seanachas cho trang ’sa bha e riamh. Shnàig e sios gu suidheachan a bhan-mhaighstir, ’sa sanais rithe dh’ fheòraich e dhi, “Am bheil e deas fhathast?” Bha a bhean uasal i féin an deigh ruith a mach á foighidin o chionn fhada, ’sa tionndadh gu feargach ris fhreagair i air chor as gu’n cluinneadh gach neach a bha faisg orra i, “Deas! bha e deas o chionn corr as leth uair, ach cha do stad e fhathast!” [TD 148] [Vol. 4. No. 19. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 16, 1895. Tha sgeul bhrònach a tighin air an t-seachdain so á Jamaica, fear de dh’eileanan nan Innsean a Niar. Tha sgireachdan de’n eilean anns am beil an sluagh an imis bàsachadh le gort. Toiseach an t-samhraidh so chaidh, cha do shil na h-uisgeachan àbhaisteach, agus air tàilleabh sin cha do dh’fhàs am bàrr, agus an nise tha mu shia mìle dhe’n t-sluagh an cunnart bàsachadh leis an acras Tha gach ni cho gann ris a bhiadh; tha sgireachdan anns nach fhaighear duine bean no pàisde aig am beil bad de dh’aodach slàn. Tha na naigheachdan a tha daoine tha dol air feadh an t-sluaigh ag innse glé mhuladach. Ach tha uisgeachan briagha a sileadh a nise, agus ma nithear cuideachaidh leis na daoine bochda an dràsda ’s cha’n eil teagamh nach dianar sin, cha’n fhada gus am bi iad ann an suidheachadh ni’s fhearr. Tha geur-leanmhuinn agus sgrios nan Armenianach a’ dol air adhart gun lasachadh. A dh’aindeoin gach gealladh a tha Sultan na Tuirce a toirt do rioghachdan na Roinn Eòrpa tha e coltach nach d’thug e fathast oidhearp sam bith air an obair fhuileachdach a chasg. Cha robh an Turcach riamh leisg air a dhol an cois fhacail, agus ged nach toireadh e an ionnsuidh bu lugha air a ghealladh a choi-lionadh anns a’ chùis so, cha chuireadh e ioghnadh sam bith orrasan a tha eòlach air a dhòighean. Tha fiosan a thainig as an àirde near air an t-seachdain so ag innse gu robh, a reir barail dhaoine aig am bu choir deagh fhiosrachadh a bhi, deich mile de shluagh bochd Armenia air an cur gu bàs le saighdearan na Tuirce o chionn mios, agus gu bheil mu dha cheud gu leth mile ann an cunnart bàis le gorta air an àm so, air tailleabh an léir-sgrios a tha na murtairean an-iochdmhor sin air a dheanamh ’san dùthaich. Is Criosduidhean a mhor chuid de shluagh Armenia, agus cha’n eil e idir ao-coltach gu bheil rn t-Impire Turcadh. le fuath do’n creidimh, suidhichte air cur as daibh gu buileach. Ach cha’n urrainn do na rioghachdan eile a leigeadh air adhart moran ni’s fhaide; mur dean e na tha iad ag iarraidh air, agus sin gu’n dàil, bheir iad leasan dha a’s fheaird e an ùine glé ghoirid. OIGHRE NAN STIUBHARTACH.—Fhuair sinn pasgan da phaipearan beaga á Lunnuinn o Mhiss Iosephine M. Nic Dhomhnuill, na Ceapaich, anns am beil i toirt dealbh, agus cunntas goirid air beatha, “Oighre nan righrean Stiùbhartach.” Cha’n eil teagamh nach eil moran gun fhios gu bheil a leithid ann. ’Se ’s ainm dha, Prionnsa Rupert mac do Prionnsa Bhavaria, agus ’se an t-siathamh glùn o righ Tearlach I., tre a nighean bu shine. Tha e sia bliadhna fichead a dh’aois, agus ’na oifigeach anns an arm am Bavaria. Tha e na dhuin’ òg a tha glé ghealltanach, agus fior mheasail aig gach aon a chuir eòlas air. OIDHCHE SHAMHNA.—Bha coinneamh ghasda aig Gàidheil New York air oidhche shamhna. Bha Mr. Niall Dnmhnullach, ceann-suidhe a Chomuinn Ghàilig ’sa chathair, agus rinn Domhnull Mac Mhuirich òraid Ghàilig a toirt iomraidh air cleachdaidhean na samhuinn. Labhair fear no dithis eile air a bhonn cheudna ’sa Bheurla. Bha na h-uiread de dh’ òrain Ghàilig air an seinn, agus bha piobaireachd agus dannsan Gàidhealach aca. Tha buill a chomuinn so a réir coltais a leantuinn gu dlùth ri cliù an sinnsir. Bha tuiltean mora ann an cearnan de’n Fhraing toiseach na seachdain so. Bha uisge trom a sileadh fad da latha, agus chuir moran de na h-aimhnichean thar am bruachan. Bha aon amhuinn anns ’n do dh’éirich an t-uisge naodh troighean. Rinneadh call mor leis an uisge, ach cea chuala sinn gu’n do chailleadh beata idir. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON. SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. [TD 149] [Vol. 4. No. 19. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh fear Seumas Smith a thachdadh ann an St. John, N. B., an la roimhe ’s e ’g itheadh orange. Chaidh soitheach seolaidh air na creagan faisg air Digby ris an storim a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh, agus chailleadh gach duinne bh’ air bòrd. Mharbh Ailein Mac Leoid, aig an International Pier, muc an la roimhe, aois tri miosan deuga gu leth, agus thomhais i ceithir cheud ’s tri fichead us seachd puinnd deug. Tha paipear á Nova Scotia ag innse gu’n do bhuain nighean faisg air Annapolis leth chàrt de shuidheagan da latha ’n deigh a chéile o chionn ghoirid. Cha’n eil sin dona do ’n dùthaich fhuar so. Chaill fear Iain Somers a chas le sgiorradh anns a mhèinn a tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an carbad-smùide thairis oirre, ’ga pronnadh ’s ’ga gearradh cho dona ’s gu’m b’ fheudar a toirt dheth. Tha Dior-daoin s’a tighinn air a chur air leth le riaghladh na dùthcha air son Latha Taingealachd. ’S abhaist do’n latha sin a bhi air a chumail anns an dùthaich so gu riaghailteach na h-uile toiseach geamhraidh. Bhuail da charbad na chéile aig Windsor Junction Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh dithis dhaoine a dhroch leònadh. Bha ceò ann aig an àm agus cha’n fhaca fear-stiùiridh an darra carbaid an carbad eile. Tha fear Dicks ann an Toronto aig cùirt, ’s air fhàgail air gu’n do chuir e a thigh fhéin na theine ’s a bhean na bhroinn. Chaidh a bhean a losgadh gu bàs. Thatar a’ deanamh a mach gu’n d’ rinn e so air son airgead-urrais a bha air a beatha fhaotainn. Tha ’n t-side a’ fàs fuar, ach a cumail glé bhriagha. Tha a chuid eile de Chanada a’ teannadh ri dùldachd a gheamhraidh, ach cha b’ urrainn do Cheap Breatunn geamhradh a radh ris na thainig cho fad so. Cha d’ thainig ach fras no dha de shneachda fhathast. Ach cha’n eil eagal sam bith oirnn nach tig e. Chaidh Domhnull Mac Aonghais, á Baddeck Mhor, a thoirt do’n ospidal ann a’ Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, Mar a thug sinn iomradh roimhe, chaidh a ghoirteachadh le tuiteam á carbad, agus tha e coltach gu robh e air a ghoirteachadh ni bu mhiosa na bhatar an dùil an toiseach. Thatar an deigh mèinnn ghuail fhosgladh air cladach an ear Newfoundland. Gus a so cha robh fhios gu robh leithid ri fhaighinn air an eilean idir, agus bha muinntir St. John’s a toirt an cuid guail á Ceap Breatunn. Cha’n eil teagamh nach cum so air ais malairt guail an eilean so ann an tomhas beag, ach ’s math an ni do Newfoundland gu bheil gual air fhaotainn ann, oir ni e cuideachadh mor leis an t-sluagh bhochd, a bha roimhe so cha mhor gu h-iomlan an earbsa ris an iasgach air son teachd-an-tir. Dh’ fhalbh soitheach, an Eva Maud, le luchd guail á Sidni Tuath o chionn faisg air mios air a turus gu St. John’s Newfoundland, agus cha chualas guth oirre uaithe sin. Dh’ fhalbh àireamh de shoithichean as a phort cheudna mu’n aon àm rithe so, agus rainig iad an ceann-uidhe gu sàbhailte. Cha’n eil teagamh nach eil i air a call. Chaidh pairt de luchd soithich de stuth làidir ’s de thombaca a ghlacadh ann an Cheticamp toiseach na seachdain. Thainig e á St. Pierre, agus chaidh a chur air tir gun e dhol an còir tigh-cuspuinn. Chaidh fiach sia ceud dolair a ghlacadh, agus tha pairt de’n luchd nach d’ fhuaradh fhathast. Tha moran de’n obair so a dol air adhart. Chunnacas an nathair uisge aon uair eile! air an turus so an ear air Scatarie. Chunnacas i le triùir iasgairean, agus cha robh i ach mu leth-cheud slat uapa. Cha’n fhac’ iad ach pàirt di, ach na chunnaic iad bha e mu fhichead troigh a dh’ fhad, agus eadar ceithir ’sa coig a throighean a ghairbhead. Thainig a chuid sin dhith air uachdar an uisge a dha no tri dh’ uairean, ach cha’n fhac iad a ceann idir. Cha robh cho beag de rionnach air a ghlacadh o chionn iomadh bliadhna ’sa bha air a’ bhliadhna so. Tha na soithichean Geancach a bha ’ga iasgach fad an t-samhraidh ’s an fhoghair, air a dhol dhachaidh agus cha’n eil ach gle bheag aca air son an saothair. A bharrachd air an t-iasg a bhi gann air a bhliadhna so, bha ’n t-side glé stoirmeil, agus cha robh cothrom ceart air iasgach a dheanamh. Tha’n fhactoridh bhròg ri bhi air a cur air obair ann an Sidni Tuath a rithist. Bha i air a dùnadh air an earrach s’a chaidh: cha robh i a pàigheadh na feadhnach leis ’m bu leis i. Ach tha cuideachd ùr air a’ gabhail os laimh ’s tha iad an dùil a bhi uidheamaichte air son tòiseachadh an ùine gun bhi fada. Bha’n fhactoridh so a’ deanamh deagh bhrògan ’s an àm a bha i ’g obair roimhe, agus cha’n eil teagamh nach dean i a cheart cho mrth an deigh so. Bi’dh i na meadhon air moran airgeid a sgaoileadh air feadh a bhaile. Di-màirt s’a tighinn bi’dh muinntir na siorrachd so agus gach siorr eile achd an Nova Scotia, a taghadh luchd-comhairle air son nan tir bliadhna tha tighinn. Cha ’n eil iad idir gann a tha ’g iarraidh na h-onair a bhi ’sa chomhairle; cha mhor gu bheil àite anns nach eil dithis no triùir ag iarraidh a stigh. Tha sinn an dòchas gu’n tagh an sluagh na daoine a’s glice ’s a’s earbsaiche tha nam measg anns gach àite oir tha e gle iomchuidh gu’m biodh riaghladh gach siorrachd air a chur ann an lamhan nan daoine ’s fhearr a ghabhas faotainn innte. Posaidhean. Ann an Sidni, air an t-seachdamh latha dhe’n mhios so, leis an Urr. I. F. Forbes, Alasdair Mac Leoid (mac Ailein,) aig an International Pier, us Sine Nic-a-Ghobha á Pictou. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 150] [Vol. 4. No. 19. p. 6] Oilean na h-Inntinn. Anns na linntean so againne tha a chuid is mò d’ ar n-eòlas a’ sruthadh bho Leabhraichean. Gun teagamh sa bith tha leabhraichean ro fhéumail chum ar cuideachadh gu ruigsinn air eòlas, agus ann an tomhas mòr gus gach ealain agus fòghlum tarbhach a chur an cleachdadh, ach cha’n iad air alt sa bith prìomh thobraichean no tobraichean nàdurra ar n-oilein, agus a reir mo bheachdsa, tha an éifeachd ealamh gu bhi air a meas mò ’s a’ chòir eadhon anns na meuraibh eòlais sin anns an saoilteadh nach biodh e comasach deanamh as an éugmhais. Cha bhuin daibh cumhachdan cruthachaidh ann an seadh sa bith: cha’n ’eil annta ach cuideachaidhean, innealan, buill-acfhuinn; cha’n ’eil annta ach buill dheanta, air an cur riuthasan a bhuilich roimh-òrduchadh glic a’ Chruithfhir oirnn; tha iad mar na gloineachan-fad-sheallach agus na gloineachan-méudacheidh a tha chum mòr chuideachaidh ann an cùrsa ar rannsachaidh le bhi a’ foillseachadh iongantasan do-bhreathnaichte, ach nach bu chòir air chor sam bith ar mealladh gu bhi a’ cur ar sùilean fein ann an neo-shuim no a’ dearmad a bhi ’g an cleachdainn. Cha’n iad leabhraichean prìomh thobraichean no tobraichean àraidh ar n-eòlais, ach beatha, cleachdadh, beachdachadh, faireachdainn, agus gnìomh. An uair a ghabhas duine mach leotha sin faodaidh leabhraichean iomadh bealach a lionadh suas, mòran a tha gann a chur am farsaingeachd; ach as eugmhais cleachdaimh beò mar bhlàr-oibre cha’n ’eil leabhraichean ach mar dheàrrsadh gréine agus mar fhrasan uisge a’ tuiteam air talamh cruaidh, glas, anns nach deachaidh crann.—Prof. Blackie. Beachd nan Hinduach. Anns a’ chunntas bheag leanas tha iomradh, a réir aon bhuidhean a measg nan Hindùach, air na firinnibh freumhail air am beil an creideamh aca air a bhonntachadh. Cha’n ’eil fhios nach robh beachdan am measg nan seann Ghaidheal nach robh mòran ni b’ fhearr. Tharruing Bràm a mach ás féin triùir dhée eile—Bràmà—Bhishnu—agus Shìbha. ’S iad so Trianaid aidmheil nan Innsean: ’N a dhéigh sud thug Bràm a mach ugh mòr! Do bhroinn an uighe ud chuir e sìol gach ni cruthaichte—bha na saoghail’ s an ugh ann am pòr—agus maille riutha chaidh Bràmà—ceud phearsa na Trianaid. Dh’fhan Bràmà ’san ugh fad ceithir mìle agus trì cheud muillion de bhliadhnachaibh. B’obair dha ré na h-ùine ud, a bhi ’cur beatha agus cinneis anns gach gné phòir a bh’anns an ugh, gus an d’thàinig gach ni gu fhìor chumadh. Fad nam muillionnan bliadhn’ ud bha an t-ugh a’ snàmh mar bhuilgean air aghaidh nan uisgeachan sìorruidh—a’ sìor fhàs ann am meud—agus a’ dearg-lasadh le lainnireachd mìle cuairt ni’s dealraiche na ghrian ann a làn neart!!! Fadheòidh sgealb an t-ugh, agus thàinig Bràmà a mach á ’phrìson air uigheamachadh le mìle ceann, mìle sùil agus mìle làmh! Cha ’b iongantas idir e bhi làidir, geur-sheallach agus glic. As an ugh thàinig a mach mar an ceudna ni iongantach—dealbh nuadh nach facas riamh, roimhe. Ciod so? An cruinne-ce-glòrmhor agus iongantach—an cruinne-cé ullamh agus uidhimichte mar a nis, le a shaoghail, a ghréin, a ghealaich, agus a reultain. Their luchd mineachaidh na beachd so gur e Bràm fèin an cruinne-cé: Bràm, cha’n e Bràmà. ’S iad na luibhean agus craobha na frìthe, maille ri neòil nan speur, folt a chinn; ’s iad na dealanaich fuilteine fheusaig; ’s e an t-àile anailsan—agus ’s e a ghuth na tàirneanaich. ’S iad a’ ghrian agus a’ ghealach a shùilean—na h-aimhnichean a chuislean—na creagan ionganna—agus cnàmhan a chuirp na beannta mòra? Thàinig ceithir saoghail dheug a mach ás an ugh; bha seachd dhiubh maith agus sé uile olc; ach anns an aon eile bha olc agus maith measgaichte—’s e so am fear ’s am beil againne ar còmhnuidh. Tha sea dhiubh os ar ceann, agus seachd fodhainn. Anns an t-seachd iochdrach tha còmhnuidh aig gach creutair olc agus gràineil: agus ann an t-sé a’s àirde na sinne tha ionada-còmhnuidh nan dé. Cha’n iad na nithe a ta sinn a sealbhachadh, no na nithe nach ’eil sinn a’ sealbhachadh a mhéudaicheas, no a lughdaicheas ar sonas féin. Is e bhi ’g iarraidh barrachd na tha againn, agus a bhi ’gabhail farmai driusan aig am beil barrachd, a ta milleadh sith ar n-inntinn, agus a’ tarruinn truaigh oirnn mu dheireadh. LOCH MEGANTIC:—Tha fear de’r luchd-leughaidh, Domhnull Mathanach a’ sgriobhadh ugainn as an àite so ’s ag radh gu robh am bàrr aca air an fhoghar so trom agus glé mhath. Bha mu òirleach de shneachda air an talamh an latha sgriobh e, an t-siathamh latha fichead de dh’October. Tha moran de Ghàidheil air an suidheachadh thimchioll Loch Megantic. Tha i ann am mor-roinn Chuibeic, seachd fichead mile ’sa ceithir deug an ear air Montreal, air an rathad iaruinn (C. P. R.) agus mu cheithir mile deug o’n chrich eadar Canada agus na Stàitean. UIDHIST.—Tha an t-uachdaran a tha air Uidhist a chinn a tuath aig an àm so, ma’s fior na tha na paipearan-naigheachd a fàgail air, a feuchainn ri bhi na dhuine anabarrach cumhachdach. Is Sasunnach e do’n ainm Sir Iain Orde. Air reir a’ chùnntais a tha sinne ’faotainn air, tha e ’na uachdaran a tha glé chruaidh air na daoine bochda. Tha fear-lagha do’n ainm Wilson ann an Loch-nam-madadh a tha ’na sgolb ’san fheòil do Shir Iain riamh o’n thainig e do’n dùthaich, oir bi’dh e gu tric a’ tagradh ’na aghaidh aig cùirtean. Cha toir Sir Iain tigh do Mhr. Wilson anns an dean e fuireach, ’s cha mhò a cheadaicheas e do dhuine th’air an oighreachd a ghabhail a stigh no fasgadh a thoirt dha. Tha Wilson air an aobhar sin air a dhroch chàradh. Bha e treis dhe’n bhliadhna air aoidheachd aig bantraich do’n àbhaist a bhi cumail bhòrdairean, ach b’ fheudar dha sin fhàgail, oir bhagair Sir Iain a’ bhantrach a chur as an tigh. Cheannaich e ’n uair sin soitheach a chuir e air acaire a mach o’n chladach agus fad àireamh mhiosan, rinn e ’comhnuidh air an uisge, ach air tighinn a gheamhraidh ’s eigin dha an dachaidh luasganach sin a thréigsinn. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil ministeir na h-Eaglais Shaoir a nise dol ’ga ghabhail a stigh, agus ma dh’fheuchas Sir Iain ri dragh sam bith a chur orra, theid iad gu lagh leis a’ chùis nas luaithe na leigeas iad leis a dhòigh fhéin a bhi aige Tha sinn an dòchas gu’n dean iadsan a th’air deireadh ann am pàigheadh a phaipeir an uile dhichioll air a’ phrìs a chur ga’r n-ionnsuidh gun dàil. Tha mòran airgeid againn ri phàigheadh a mach eadar so us bliadhn’ ùr, agus ged is beag an t-suim dolar, ni gach aon a thig a stigh deagh chuideachadh. [TD 151] [Vol. 4. No. 19. p. 7] A’ Giulan an Eallaich. O chionn fhada bha aig àireamh de sheirbhisich ri dhol do bhaile àraidh le caochladh sheòrsachan bathair, ugus an àm dhaibh a bhith ’falbh thagh gach fear an t-eallach bathair bu roghnaiche leis fhein. O’n a bha ’n t-astar fada dh’fheumadh iad biadh gu leòr a thoirt leotha, agus b’e am biadh an t-eallach bu truime dhe na h-eallaich gu léir. Roghnaich am fear bu mheata ’s bu laige dhe na seirbhisich an t-eallach bidh. Bha gach aon de chàch a’ deanamh ceòl-spors dheth a chionn gu’n do ghabh e os làimh an t-eallach bu truime a ghiùlan. Coma co dhiu dh’fhalbh iad gu math moch ’s a’ mhaduinn, agus an uair a choisich iad àireamh mhath mhìltean bhuail an t-acras iad. Shuidh iad a ghabhail am bìdh, agus o’n a bha géireag mhath orra gu léir thun am bìdh, dh’fhas an t-eallach bìdh gu math ni b’eutruime. Mu àird-fheasgair shuidh iad aig an ath bhiadh. Dh’fhag so an t-eallach bìdh a leith cho trom ’sa bha e an uair a dh’fhalbh iad ’s a’ mhaduinn. An la-iar-na-mhàireach ghabh iad trì bìdh mar an ceudna, agus chuir iad crìoch air a’ bhiadh gu léir. Ann am beul anamoch na h-oidhche, ’s gun iad ach beagan mhìltean o’n bhaile, thug gach fear dhiubh thairis, ach am fear a roghnaich an t-eallach bidh. O nach robh dad aigesan ri ’ghiùlan choisich e gu sunndach do ’n bhaile. Tha so na ’shamhladh air mar a tha sluagh an t-saoghail a’ dol troimh chùrsa na beatha so. Tha ’n duine sanntach a’ roghnachadh òir is airgid; tha ’n duine mòr-chuiseach a’ roghnachadh rìomhaidh; tha fear eile a’ ròghnachadh eallach de ghlòir agus de dh’urram an t-saoghail so: a dh’aon fhacal, tha gach fear aig am bheil ’aire air nithean an t-saoghail so a roghnachadh an ni a’s fhearr a chòrdas ri inntinn thalmhaidh fhein. Ach tha ’n duine glic riaraichte leis na nithean a chi Dia iomchuidh a thoirt dha. Ma bhios biadh is aoduch aige maille ri beadh-ghean an Fhreasdail is leòr; oir tha fios aige gur ann mar is lugha a bhios a dh’uallach air is fhusa dha imeachd air an t-slighe gu nèamh. Sgriobh t-ainm fein le cairdeas, gradh agus trocair, air cridheachaibh na muinntir sin uile ris am beil do ghnothuich; agus cha di-chuimhnichear thu gu brath. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 152] [Vol. 4. No. 19. p. 8] AN AISEIRIDH. LE DOMHNALLACH NA TOISEACHD. Och, a luchd-aiteachidh na h-uaigh’! On dh’ fhalbh gach ailleachd ’nis is snuadh, ’S ann oirbh a laigh an tosdachd bhuan; O! cuin a ghluaisear idir sibh? Caidlidh an durrag anns an ùir, Is gabhidh ’chuileag fois an cuil, Ri doininn gheamhridh ’s gaillinn dhluth, Ach duisgear leis an earrach iad. Ach cuin ’thig earrach ’thogas suas Luchd-comhnuidh thosdach, chiuin na h-uaigh’. O! cuin a dhuisgear iad o ’n suain? Is laidir buan an cadal e. Thig duilleach fhathast air a gheig, Ged tha i lom an diugh gun sgeimh; Is pillidh ’ghrian air ais do ’n speur. An deidh ’dhol as an t-sealladh uainn. Ach cuin a chithear orr’-san sgéimh, ’Tha seargt’ an diugh fo laimh an eig; O! cuin a thig na gathan grein’ Ri’ n eirich iad o’n leabidh ud. Seadh, pillidh blàths an deidh an fhuachd, Is pillidh là ’n deidh oidhche bhuain, Ach cuin a bhrisdeas là air uaigh, ’S a ghluaisear bhuaip’ gach doilleireachd. Ach, anam, caisg do thuireadh truagh; Oir brisdidh fhathast là mu ’n uaigh, Roimh ’n teich gu sior a h-oidhche bhuan ’S gach gruaim ’bha riamh an ceangal rith’. Is eiridh ’dhuslach-san a suas, Oo-cionn ’n do ghuil thu iomadh uair, Le tuilleadh ailteachd, mais’, is buaidh, Na ged san uaigh nach laigheadh e. Uaigh, lean am mach an diugh do bhuaidh, Oir fhuair thu cead o Righ nan sluagh; Seadh, imich romhad, lean do bhuaidh, Is sluig a suas na fineachan. Ach as do chumhachd na dean uaill, Oir ged is maireann da, cha bhuan; A chean’ thug Gaisgeach treum nam buadh, Am mach a bhuaidh gu suthainn ort. Is annsan togar suas a mhairbh, ’Nan cuideachd ghloirmhor—’s iad a sheilbh; ’S an teanga tuilleadh cha bhi balbh, On dh’ fhalbh gach ni a cheangail iad. Tha Niall Domhnullach á Baddeck ’a sgriobhadh ugainn gu bheil e leigeadh dheth ruith air son a bhi na fhear-comhairle air son na h-Aimhne Tuath. Bha toil aig an fhear a bha ’san dreuchd roimhe a bhi air ath-thaghadh agus uime sin cha’n eil Mr. Domhnullach a’ dol a dh’fheuchainn idir. Ma tha sinn ag iarraidh a bhi ’togail air steigh chinntich ann an cairdeas, feumaidh sinn air cairdean a ghradhachadh ni’s mo air an sgàth fein, na air air sgàth fein. Tha uinneag bhriagha ri bhi air a cur ann an té dh’eaglaisean Phort Righ san Eilean Sgiathanach, mar chuimhneachan air Fionghal Dhomhnullach. ORAN AN LEINIBH. LE PADRUIG GRANNTA. ’S leanabh sòlasach mi, ’Chaidh gle òg mach a tim, Chaidh mo threorach o ’n chìch do ’n uaigh. ’S ged bu ghorid mo thim, ’Gabhail fradhirc de ’n tir, ’S mor a th’ agam r’a inns’ do ’n t-sluagh. Bha mi ’m chadal gu blàth Ann am fasgadh mo mhath’r, I gam phasgadh ’sa làmh fc m’ cheann; Thanig teachdair’ o ’n bhàs Thuirt gun siubhlinn gun dail, Nach robh fuireach no tàmh dhomh ann. Thug an anshocair buaidh, Thanig piantan ’bha cruaidh ’S ruith an lot anns gach buaidh dhe m’fheoil; Ann am mionaid na h-uair’ Dh’ fhas mo bhilean cho fuar, ’S neul a bhàis air mo ghruaidhean og’. Dhuisg mo mhathair le gaoir, ’S thuirt i, m’ àilleagan gaoil, Ciod dh’ fhairich thu? chan fhaod thu falbh. ’S rinn i grinn orm cho teann ’S nach biodh dealachadh ann, Ged a bha mi cho fann ’s mi balbh. Chaidh mo mhathair an cùil, ’S m’athir ’dh-ionnsidh na cuirt’, ’S bha iad ’tagradh gu dluth fo leon, ’S ag radh ri ’n Athair air neamh, ’Nis do thoil gun robh deant’. Oir gu cinnteach ’s tu fein ’s fearr còir. Nuair a dhuin iad mo shuil, Thanig ainglean na cuirt’, ’S thug iad mis’ leoth’ cho dluth ’s cho luath; ’S ann am priobadh na sùl’ Bha gach ni dhomh cho ùr, ’S mi le Criosd san Irùs’lem shuas. Nam faiceadh ni athair ’s mo mhath’r Meud mo shonais ’san ait s’, Bhiodh iad toilicht’ gun d’fhag mi ’n saogh’l. ’S bhiodh gach la dhaibh mar bhliadhn’ Gus am faigheadh iad triall, Gu co-chomunn tha siorraidh, buan. ’S ann an seo a tha ’n cèol Nach deid ’mheasgadh le bròn; Tha e fantuinn na oran nuadh; Cliu is onair is glòir Do ’n Ti bha marbh ’sa tha beo; Shaor e sinne bho ’n doruinn bhuain. Chuireadh ar luchd-leughaidh comain oirnn, an àm a bhi ’ceannach bho na marsantan aig am beil sanais anns a phaipeir, ’nan innseadh iad dhaibh gu’n do leugh iad na bh’aca ri radh mu’n cuid bathair anns a’ MHAC-TALLA. Ni sin na marsantan ni’s deigheile air a bhi ’cur sanais ann. Bi’dh sin na bhuannachd do’n phaipeir, agus ni sam bith a bhios na bhuannachd do ’n phaipeir, thig e gu bhi ’na bhuannachd do’n luchd-leughaidh. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 153] [Vol. 4. No. 20. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 23, 1895. No. 20. AM MOD GAIDHEALACH. Bha ceathramh Mòd bliadhnail A’ Chomuinn Gàidhealaich air a chumail ann an Glascho air a chóigeamh latha fichead de’n mhios a dh’fhalbh. B’e so a cheud mhòd a bh’aig a Chomunn a mach as an Oban, agus thatar ag radh gu ’n d’ thug e bàrr air gach aon de chàch. Bha àireamh ni bu mhò a’ strì air son nan duaisean, agus bha iad am bitheantas ni b’fhearr na iadsan a bha ’san t-strith ’sna bliadhnaichean roimhe. Bha Mr. Iain Mac-Aoidh, Hereford, ceann-suidhe a Chomuinn anns a chathair, agus dh’fhosgail e am mòd le òraid ghasda a’ toiseachadh mar a leanas:— “Mo luchd-dùthcha ionmhuinn—Na’m bitheadh an comas agam ’se b’fheàrr leam, agus ’se bu chòir dhomh, ann an toiseachadh obair an latha so, beagan fhacal a labhairt ann an cainnt bhinn bhlasda ar dùthcha, ach a dh’innseadh na fìrinn, le bhi cho fada á tìr nam beann, ’s a measg choigreach anns an Fhraing, anns an Olaint agus ann an Sasunn, chaill mi an ealantas a bha aon uair agam ann an cainnt air sinnsear. Air an aobhar sin ceadaichibh dhomh facal no dhà a labhart anns a chainnt a thuigeas sibh uile—ged is coimheach i.” Bha an sin na duaisean air an toirt seachad dhaibh-san a choisinn iad. Cha teid againn air an ainmeachadh uile an so, ach bha àireamh mhor a strì air son gach duais a bh’ann, airson sgriobhadh, leughadh, agus seinn Gàilig. Bha còig coisirean-ciùil a làthair, agus sheinn gach aon dhiubh aig a Mhòid. Bha’n da choisir a b’fhearr cho math ’s cho math ’s b’ fheudar a cheud ’s an dàrna duais a roinn eatorra; cha ghabhadh na breitheamhan orra féin a radh cò a b’airidhe air an duais a b’àirde. Air an oidhche, bha co-sheirm Ghàilig aca, agus bha’n talla anns an robh iad luma-lan sluaigh. Cha robh facal air a sheinn ach Gàilig bho thoiseach gu deireadh agus chaidh gach ni air adhart gu h-eireachdail. ’Nuair a bha darra leth na co-sheirm thairis, chaidh Iain Caimbeal, bàrd na Leadaig, a toirt gu fear-na-caithreach, agus thug an t-uasal sin dha suim airgeid (£365) an ainm nan Gàidheal, mar theisteas air am mòr spéis da air son a chuid bardachd. Tha tigh a bhaird air fàs sean agus a cnàmh as a cheile, agus bha’n t-airgead so air a chur cruinn air son tigh ùr a chur suas dha. Thug e taing mhor do’n Chomunn agus dhaibh-san uile aig an robh lamh ann a bhi cur suas tighe a bheireadh fasgadh dha a chuid eile d’a bheatha “aig bonn nan creagan mora ’s ri taobh tonnan beucach a Chuain Mhòir.” Chriochnaich e mar a leanas:— “Ged ’s corrach àrd na creagan ud Do’n fhear a théid an ròd, Gach clach is crann co-fhreagairt tha Le sonas laithean m’ oig,; ’S an robh mi fhéin ’s mo chompanaich Gun neul an sin ’n ar speur Cà’n diugh a bheil na companaich? Is fad gach aon o chéil’, Tha cuid ’nan dachaidh uaigneach Fo leccaibh fuar na marbh, Cuid eile anns na h-Innsean, ’S an tìrean fad air falbh. Is beag a chuid de’n chròilean ud Tha ’n diugh a chòir a chéil’, Bha sunndach eutrom còmhla rium, ’S’an tìm a dh’fhàg mi ’m dhéigh. Dh’fhalbh iadsan, falbhaidh mise, falbhaidh sibhse, ach seasaidh an cuimhneachan a thug sibhse dhomhsa ’n uair nach bi aon againn ann; ach ’se mo ghuidhe,— Gu’n toir am Freasdal paigheadh dhuibh, ’S nach caill sibh air gu bràch. Taing mhòr dhuibh o ghrunnd mo chridhe, agus slàn leibh.” An deigh sin chaidh iad troimh ’n darra pàirt dhe’n cho-sheirm, agus mar sin bha ’n ceathramh mòd Gàidhealach air a thoirt gu crich. Cha’n eil fhios fathast càite ’m bi e air an ath bhliadhna. Ma gheobh an Comunn deagh mhisneachd gu dhol gu Peart theid iad ann; mur faigh, bidh e ann an Glascho. Cha’n eil teagamh nach e Glascho baile ’s Gàidhealaiche th’air an t-saoghal, agus nach bi na Gàidheil a th’ann glé dheonach am mòd a bhi aca bliadhn’ eile. A ILLINOIS:—Tha sinn a toirt na leanas a paipear-naigheachd a chuireadh ugainn a Ottawa, Illinois, “Fhuair Ullleam E. W. Mac Fhionnlaidh àireamhan dhe’n da phaipear Ghàilig a thatar a’ cur a mhch air an taobh so dhe’n uisge; MAC-TALLA. air a chur a mach ann an Sidni, Ceap Breatunn s’a Ghàilig Albannach, agus an “Gaidheal”, air a chur a mach am Brooklyn, N. Y., ’sa Ghàilig Eirionnaich. Fad ùine mhor cha robh paipear air a chur a mach ann an te seach te de na cànainean so, ach o chionn ghoirid, tha luchd na Gàilig a’ gabhail barrachd meas air an t-seann chainnt, agus tha na paipearan so air an cur a mach. Tha An Gàidheal air a chlo-bhualadh anns na seann litrichean Gàilig, coltach ris na litrichean a bh air an cleachdadh ann an Sasuinn cho tràth ris a’ bhliadhna 700. Tha am MAC-TALLA air a chlo-bhualadh ’sna litrichean Ròmanach, a bha air an cur an cleachdadh le Gàidheil na h-Alba air tùs ’sa bhliadhna 1600.” Cha mhor nach eil luchd-togail nan soithchean ann an Alba ’san Eirinn gu buileach nan tàmh aig an àm so air tàilleahh mi-chòrdadh a thainig eadar na maighstirean agus na saoir. Tha so glé mhi-fhortanach, oir tha e ’na chall mor do’n rioghachd na h-uiread a bhi ’nan tàmh ’nuair tha moran shoithichean cogaidh ri’n togail, cha’n ann a mhàin do Bhreatuinn fhéin, ach mar an ceudna do dhuchannan céin. Direach mar is e an teas a tha teachd o thaobh a stigh a’ chuirp is mo comhfurtachd, is and o na bheil a steach a tha sinn air ar deanamh sona, is cha’n ann o’n taobh a mach. [TD 154] [Vol. 4. No. 20. p. 2] SGEULACHD DO’N OIGRIDH. (O’n Bheurla.) Is e m’ ainm Agib. Is mi mac Righ nan Turcach. An deigh a bhais ghabh mi seilbh air a rioghachd gu leir agus dh’ fhan mi anns a’ bhaile anns an do rinn e comhnuidh. Tha mo rioghachd air a deanamh a suas de aireamh de oighreachdan aluinn air tir-mor cho math ri moran de eileanaibh luachmhor. B’ e a’ chiad rud a rinn mi an deigh seilbh a ghabhail, cuairt a thoirt do na h-oighreachdan air tir: an deigh sin dh’ orduich mi mo chabhlach gu leir a bhi air an cur fo lan uidheam agus chaidh mi do na h-eileanaibh a chum agus gu ’m buidhinninn le m’ lathaireachd gean-math mo chuid iochdarain agus gu ’n daignichinn iad ’n an dillseachd agus ’n an tairiseachd. Thug na turais-cuain so dhomh deigh mhor air seoladaireachd, anns an do ghabh mi a’ leithid de thlachd gu ’n do chuir mi romham gu ’n gabhainn an saoghal mu ’m cheann ’s gu ’m faicinn ciod a bha ’gabhail aite an taobh a mach de m’ rioghachd fein. A chum na criche so fhuair mi deich luingis a chur an ordugh, chaidh mi air bord air te dhiubh, agus sheol sinn air falbh. Bha ar turas ro thaitneach agus gun bhacadh fad da fhichead latha; ach air a’ chiad oidhche thar da fhichead sheid a’ ghaoth ’n ar n-aghaidh cho doinionnach ’s gu ’n robh sinn an impis a bhi air ar call. Dh’ aithn mi gu ’n stiuireamaid air ar n ais d’ ar duthaich fein; ach thug mi an aire aig a’ cheart am nach robh fios aig fear-iuil na luinge c’ aite ’n robh sinn. Air an deicheamh latha an deigh so thug aon de na maraichean a chuir sinn do bhar a’ chroinn dh’fheuch am faiceadh e fearannn, sanas duinn nach bu leir dha ni ach an speur ’s an cuan, ach direach air thoiseach oirnn gu ’n robh ar leis tiugh dhorchadas. An uair a chual’ an stiuradair so ghrad mhuth e ’chruth agus a’ tilgeadh a chomhdach-cinn air clar-uachdair na luinge leis an darna lamh, bhuail e an lamh eile air ’uchd agus ghlaodh e, “O, fheara, tha sinn uile caillte; cha teid aon againn as; agus le m’ uile theomachd agus eolas cha ’n ’eil e am chomas ar tearnadh.” Dh’ fheoraich mi dheth ciod a b’ aobhar do leithid de an-dochas. Fhreagair e, “Tha an doinionn air ar toirt cho fada as ar slighe agus gu ’m bi sinn mu mheadhon latha am maireach dluth air a’ Bheinn-dhubh, no mèin na cloich-tharruing a tha eadhon a nis fein a’ slaodadh do chuid luingis g’a h-ionnsaidh a chionn na tha de dh-iarunn ann ad shoithichibh; agus an uair a thig sinn mar astar araidh do ’n bheinn tha cumhachd na cloch-tharruing cho laidir ’s gu ’m bi na tairnnean uile air an spionadh a cliathchaibh agus urlar nan soithichean, agus leanaidh iad ris a’ bheinn air alt agus gu ’n tuit do chùid luingis as a cheile agus theid iad fodha. A thuille air a so the e eu-comasach a’ bheinn a dhireadh: Air a mullach tha comhdach de phrais ghrinn air a chumail a suas air ceithir puist phrais agus air ’uachdar sin tha each prais ’n a sheasamh le marcaiche air a dhruim agus clar luaidhe air ’uchd [?] am bheil sgriobhainean druidheachd [?]. Tha seann eachdraich ag radh gur iad am marcaiche agus an t-each so is aobhar gu ’m bheil de shoithichean agus de dhaoine air an call ’s an aite so, agus gu ’m bi e sgriosail do na h-uile a thig dluth dha gus am bi e air a thilgeadh sios gu lar.” Air do’n stiuradair sgur, ghuil e as ur; rinn an sgioba gu leir an ni ceudna agus dh’fhag iad beannachd aig a cheile. An ath mhaduinn chunnaig sinn gu soilleir a’ Bheinn-dhubh. Mu mheadhon latha bha sinn cho dluth ’s gu ’n do mhothaich sinn gu’m b’fhiòr na chuir an stiuradair air mhanadh; oir leum na bha de iarunn agus de thairnnean anns na soithichibh a dh-ionnsaidh na beinne le fuaim chruaidh; chaidh na soithichean as a cheile agus chaidh an luchd fodha ’s a’ chuan. Bha mo dhaoine uile air am bathadh, ach bha Ni-math trocaireach dhomh-sa agus chaidh agam air mi fein a thearnadh air mir briste d’ an long a sheid a’ ghaoth gu tir, direach aig iochdar na beinne. Cha d’fhuair mi an goirteachadh a bu lugha: agus mar a b’ fhabhorach bhuail mi an cladach aig aite far an robh mar gu’m b’eadh staidhir a’ suas gu mullach na beinne. Rainig mi am mullach gun sgiorradh sam bith; chaidh mi a stigh fo’n chomhdach phrais agus a’ tuiteam air mo ghluinibh thug mi buidheachas do Dhia airson a throcairean. Chuir mi seachad an oidhche an so. Ann am chadal thainig seann duine far an robh mi agus thubhairt e “Eisd, ’Agib; cho luath ’s a dhuisgeas tu cladhaich anns an talamh fo d’ chasaibh: gheobh thu bogha prais agus trì saighdean luaidhe. Tilg na tri saighdean air an each, agus tuitidh e fein agus a mharcaiche anns a’ mhuir; air d’a so a bhi deunta eiridh an cuan a nios gu ruig am pailliun. An uair a dh’eireas e, chi thu bata le aon duine innte agus ramh aige anns gach lamh tha an duine so mar an ceudna de mhiotailt, ach eadar-dhealaichte bho ’n fhear a thilgear sios; leum air bord, ach gun Ni-math ainmeachadh, agus leig leis do stiuradh. Bheir e ann an deich laithean thu do chuan eile far am faigh thu cothrom air tilleadh dhachaidh do d’ dhuthaich fein, air chumhnant mar a dh’ aithn mi dhuit, nach tig thu thairis air ainm Ni-math fad an turais.” An uair a dhuisg mi dh’ fhairich mi mi fein gu mor air mo chomhfhurtachadh leis an taisbeanadh agus rinn mi gach ni mar a dh’iarr an seann duine orm. Thog mi am bogha sna saighdean as an talamh, loisg mi air a’ mharcaiche agus leis an treas saighead leag mi e fein agus an t-each. Aig a’ cheart am dh’ eirich a’ mhuir uidh air n-uidh. An uair a rainig i casan a phailliuin a bha air mullach na beinne, chunnaig mi, fada uam, bata ag iomram g’am ionnsaidh agus thug mi taing do ’n Fhreasdal. An uair a bhuail am bata tir chaidh mi air bord, a’ toirt aire mhaith nach ainmichinn Ni-math, ni mo a labhair mi aon fhacal. Shuidh mi, agus thoisich an duine air iomram air falbh o’n bheinn. Dh’iomair e gun sgur gus an naoidheamh latha ’n uair a chunnaig mi eileanan eigin, a thug dhomh dochas gu ’m faighinn as o gach cunnart roimh ’n robh eagal orm. Bha m’ aoibhneas cho mor ’s gu ’n do dhi-chuimhnich mi an rud air an deachaidh mo chur an earalas; “Is mor maitheas an Fhreasdail, cliu gu’n robh dha!” a deir mi. Cha luaith a bha na facail as mo bheul na chaidh am bata agus an duine fodha agus bha mi air mo thilgeadh am measg nan tonn. Shnamh mi gu oidhche, ach mu dheireadh an uair a bha mo neart ’g am threigsinn, thilg tonn cho ard ri beinn mi air talamh tioram. B’e a chiad rud a rinn mi m’ aodach a thilgeadh dhiom agus a thiormachdh. Air an ath mhaduinn chaidh mi air m’ aghaidh a dh [TD 155] [Vol. 4. No. 20. p. 3] fhaicinn ciod a’ ghne dhuthcha anns an robh mi; cha deachaidh mi ach gle bheagan astair an uair a chunnaig mi gu’n robh mi ann an eilean fasail, ach aillidh, agus e lan de chraobhan agus de gach seorsa toraidh. Thug mi mi fein a suas do Dhia agus ghuidh mi air gu’n deanadh e rium a reir a thoile. Air ball chunnaig mi long a’ tighinn o thir-mor, a ruith leis, direach a dh-ionnsaidh an eilean. Chaidh mi suas do chraoibh a chum, o mheasg an duillich thiugh gu’m faicinn gun a bhi air m’ fhaicinn. Thainig an long a stigh do chamas beag, far an d’ thainig air tir deich traillean a’ giulan chaibeachan agus innealan eile air son cladhach an talaimh. Chaidh iad air an aghaidh gu meadhon an eilein, far an do chladhaich iad uine mhor gus an d’ thainig iad air dorus a ghabhadh togail. Thill iad an sin thun an t-soithich agus chuir iad air tir caochladh sheorsachan de bhiadh agus buill airneis a ghiulain iad a chum an aite anns an robh iad a’ cladhach; chaidh iad an sin a sios do’n ionad-chomhnuidh fo ’n talamh. Chunnaig mi iad a’ dol a ris a chum an t-soithich agus a’ tilleadh goirid as a dheigh le seann duine a threoraich air lamh giollan og, eireachdail mu thuaiream coig bliadhn’ deug a dh’aois. Dh’ fhosgail iad a’ chomhla agus chaidh iad air fad a sios. An uair a thainig iad a nios a ris, dhuin iad an dorus, chuirnich iad e le uir agus thill iad thun a’ chamais far an robh an long; ach cha’n fhaca mi an gille og ’n an cuideachd. Thug so orm a chreidsinn gu ’n d’ fhuirich e as an deigh anns an uaimh. Chaidh an seann duine agus na traillean air bord; thog iad an siuil, agus stiuir iad an cursa gus an tir o’n d’ thainig iad. An uair a chunnaig mi iad cho fad as agus nach b’ urrainn doibh m’ fhaicinn, thainig mi ’nuas as a’ chraoibd agus chaidh mi direach a dh-ionnsaidh an aite aig an faca mi an talamh air a bhristeadh. Thog mi an uir a lion beag a’s beag gus an do rainig mi leac, mu dha no tri’ throidhean air fad ’s air leud. Thog mi ’suas i agus chunnaig mi staidhir chloiche. Chaidh mi ’sios, agus fhuair mi aig iochdar na staidhreach seomar mor, soillseach, le brat-urlair; suidheachan grinn le obair ghreis agus cluasagan sioda air an robh an duine og ’n a shuidhe. An uair a chunnaig e mi bha e fo mhor iomaguin; ach rinn mi umhlachd dha agus thuirt mi ris, “Na biodh eagal ort. Is righ mise, agus cha déan mi dochann sam bith ort. An aite sin, is ann is docha gur e do dheadh fhortan a stiuir an rathad mi gu d’ shaoradh as an uaigh eagalaich so, far am bheil thu a reir coltais air do thiodhlacadh beo. Ach is e is mo ’tha cur de ioghnadh orm (oir cuimhnich gu ’m faca mi a’ h-uile ni a ghabh aite o’n thainig thu do’n eilean) gu ’m fuilingeadh tu thu fein a thiodhlacadh anns an aite so gun strith gun chur ’n a aghaidh.” Air cluinntinn so do ’n duine og ghabh e beagan misnich agns le gnuis shuilbhear dh’ iarr e orm suidhe r’a thaobh. An uair a shuidh mi thubhairt e, “A Phrionnsa, cuiridh m’ eachdraidh iongantas ort. Tha m’ eachdraidh iongantas ort. Tha m’ athair na fhear-malairt sheudan. Tha aige moran thraillean, agus luchd-ionaid ann an iomad cuirt rioghail a’ reic a chuid usgraichean. Bha e uine mhor posda m’ an robh teaghlach aige. Bhruadair e gu’m biodh mac aige ach nach biodh a shaoghal ach goirid. Greis an deigh so rugadh mise, ni a bha ’n a aobhar air mor aoibhneas anns an teaghlach. Ghabh m’ athair geur bheachd air am mo bhreith agus chuir e a chomhairle ri teallsanaich mu thiomchioll na bha an dan domh. Fhreagair iad e, “Bidh do mhac beo gu sona gus an ruig e aois choig bliadhn’ deug ach aig an am sin coinnichidh e ri cunnart o ’m bi e cruaidh dha dol as. Ach ma bhios e cho fortanach ’s gu ’m faigh e thairis air an am sin bidh e beo gu aois mhor. Tachraidh so ’ars iadsan ‘aig an am anns am bi an t-each prais a tha air mullach na Beinne-duibhe air a thilgeadh anns a’ chuan le Prionnsa Agib, agus, mar a tha na reultan a’ cur air mhanadh bidh do mhac-sa air a mharbadh leis a’ phrionnsa sin, deich agus da fhichead latha as a’ dheigh sin.’ “Ghabh m’ athair mor dhragh ann am oileineachadh gus a’ bhliadhna so, agus is i so a’ choigeamh bliadhna deug de m’ aois. Fhuair e sanas an de gu’n deachaidh an t-each prais a thilgeadh anns a’chuan o chionn deich laithean. Chuir so mor iomaguin air; agus a thaobh faistinneachd nan speuradairean, dh’ ullaich e an t-aite-comhnuidh uaigneach so chum mise ’fhalach fad nan deich agus da fhichead latha an deigh d’ an each prais a bhi air a thilgeadh a sios; agus uime sin o’n tha nis deich laithean o’n thachair so, thainig e le cabhaig gu m’ fhalach, agus gheall e tilleadh an deigh da fhichead latha agus mo thoirt air m’ ais. Air mo shon fein, tha mi lan dochais, agus cha ’n urrainn domh a chreidsinn gu ’n tig Prionnsa Agib gu m’ shireadh ann an uaimh fo ’n talamh, agus sin ann am meadhon eilein fasail.” An uair a chriochnaich e thuirt mi ris le mor chairdeas, “Mo ghille caomh, earb ann am maitheas Dhe, agus na biodh eagal ort roimh ni sam bith. Cha ’n fhag mise thu gus am bi an da fhichead latha air dol seachad mu thiomchioll an robh na speuradairean a cur eagail ort; agus ni mi a’ h-uile seirbheis dhuit a tha ann am chomas; an deigh sin le cead t-athar agus thu fein gheobh mi de chomhstath an t-aiseag a ghabhail anns an long agaibh a dh’ionnsaidh tir-mor, agus an uair a thilleas mi gu m’ rioghachd fein cuimhnichidh mi mo chomain duibh agus bheir mi oidheirp air mo thaingealachd a nochdadh air modh freagarrach.” Chuir na briathran so misneach anns a’ ghille og agus lion iad e le earbsa. Thug mi ’n aire mhath nach d’ innis mi dha gu ’m bu mhise a’ cheart Agib roimh an robh geilt air, air eagal ’s gu ’n togainn fiamh no amharus. Fhuair mi e ’n a oganach ro thuigseach agus chompairtich mi d’a chuid loin de ’n robh gu leoir aige a dh-fhoghnachdainn fada os cionn da fhichead latha ged a bhiodh tuillidh ’s mise de dh-aoidhean aige. A dh’ aon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug thar fhichead anns an ionad-chomhnuidh uaigneach so cho taitneach ’s ged bhitheamaid ann an luchairt an righ. Thainig an da fhicheadamh latha; agus anns a’ mhaduinn an uair a dhuisg an t-oganach, thuirt e rium le toil-inntinn agus aoibhneas nach b’ urrainn da a chasgadh, “A Phrionnsa, is e an diugh an da fhicheadamh latha, agus cha’n eil mi marbh, taing do Dhia agus do d’ dheadh chuideachd-sa. Cha dean m’ athair dearmad air a thaingealachd a leigeil ris dhuit air son do chaoimhneis dhomhsa agus bheir e gach goireas agus gach ni a bhios feumail dhuit chum tilleadh gu d’ rioghachd fein. Ach” ars esan “am feadh ’s a tha sinn a’ feitheamh a thighinn, a phrionnsa mo ghaoil, dean de dh-fhabhor siucar agus measan a thoirt dhomh chum ’s gu ’n ith mi beagan g’ am fhionnarachadh.” (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 156] [Vol. 4. No. 20. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 23, 1895. DAIN OISEIN:—Chuir caraid á Alba, Seumas Craigie, Brechin, ugainn an la roimhe Dàin Oisein, dhe’n chlo-bhualadh a rinneadh ’sa bhliadhna 1818. Bha na dàin bhriagha agus ainmeil so air an clo-bhualadh ’sa Ghàilig air tus ann am baile-mor Lunnuinn, anns a bhliadhna 1807, maille ri eadar-theangachadh gu Laidinn. Bha iad air an eadar-theangachadh gu Beurla àireamh bhliadhnachan roimhe sin, agus as a’ Bheurla, cha mhor, do gach cànain eile ’san Roinn-Eorpa. Bha na dàin Ghàilig air an cur a mach leotha fhéin ’sa bhliadhna 1818, agus bha moran de na leabhraichean air an craobh-sgaoileadh air feadh na Gàidhealtach a nasgaidh. Cha’n eil teagamh nach eil na leabhraichean a chlo-bhuaileadh ’sa bhliadhna 1818 a nise fàs gann. Tha sinn glé fhada ’n comain an fhir a chuir an leabhar luachmhor so ugainn. “Gu ma fada beò e, us ceò as a thigh.” Tha fios as a Bhai Niar ag innse gun deachaidh fear Abraham Pringle a mharbhadh le urchair a loisg fear Ruairidh Mac Rath air oidhche Di-màirt s’a chaidh. Cha chuala sinn ciod a b’aobhar, ach tha sinn a tuigsinn gu robh seann ghamhlas eatorra, gu’n deachaidh Pingle do thigh Mhic Rath, agus mu’n da dhealaich iad gu’n do loisg Mac Rath air, ’go mharbhadh air a bhad. Thug Mac Rath an sin e fhéin suas. Bu ghill’ òg Pringle; tha Mac Rath pòsda. Dh’ fhalbh Mr. D. A. Hearn ’sa mhaduinn an diugh gu bhi ’na fhear-tagraidh aig a chàs. A’ CHOISIR-CHIUIL.—Theirig na bh’ againn de’n Choisir-Chiùil, agus air an aobhar sin cha teid againn air na leabhranan a chur ga’n ionnsuidh-san a tha ri’m faotainn gus am faigh sinn stochd ùr dhiubh. Bi’dh iad againn an ceann da sheachdain, agus an sin cuirear air adhart iad dh’ionnsuidh gach aon nach eil air a riarachadh cheana. Agus bidh sinn gle thoilichte tuilleadh a bhi cur air adhart air an son na h-uile seachdain. A LUNNUINN:—Tha “Creag-an-Fhithich” a sgriobhadh air an ochdamh latha dhe’n a mhios so, mar a leanas:—“Bha ’n darra coinneamh aig a Chlass Ghailig an Colaisd an Righ an raoir. Bha coig air fhichead a lathair, agus tha sinn an dòchas gu’n téid an aireamh am meud fhathast. Tha da chlass ann am bladhna, fear air-son na feadhnach a tha tòiseachadh air a Ghàilig, agus am fear eile air an son-san aig a’ bheil i cheana. Tha na sgoilearan ùra ri bhi air an teagasg le Mr. Iain Deòrsa Mac Aoidh, agus an fheadhain eile leis an Lighiche Mac ’Illiosa, agus Mr. Iain Mac Coinnich. Bha am Morair Tullibardine aig a cheud chonneamh, agus gheall esan agus Mr. Friseal Mac-an-Toisich airgead do’n chlass, airson duaisean a cheannach ’nuair a bhios iadh a’ sgaoileadh. Tha’n t-side fliuch agus dorcha againn ’sna làithean so, agus tha fhios againn gu bheil an geamhradh a’ tighinn gu luath.” Tha Mr. R. C, Domhnullach, fear-gnothuich do’n W. H. Johnson Co., Ltd., Halifax, luchd-reic Phianos us Orgain, ann an Sidni aig an àm so. Tha chuideachd so a’ cumail fear de na taighean-ciùil a’s fhearr a tha ’sna mor-roinnean iseal, agus iadsan air am beil innealan-ciùil a dhith, bu chòir dhaibh taghal air Mr. Domhnullach, no sgriobhadh uige air chùram a MHAC-TALLA. Is fior Ghàidheal Mr. Domhnullach. Cha d’rainig cladan sneachd riamh an talamh gun sal a thrusadh o’n aile troimh an do thuit e; mar so tha nadur ss gloine air a shalachadh ’na ghluasad anns an t-saoghal. Fasaidh daoine, mar a ni lusan, ban agus beag ma tha a’ ghrian air a cumail uatha. ’Si deadh shlainte solus greine a’ chuirp; ’si inntinn aoibhneach solus-greine an anma. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON. SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. ugainn da ainm ur agus da dholair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B. [TD 157] [Vol. 4. No. 20. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha Dior-daoin air an t-seachdain so air a chumail mar latha taingealachd. Bha na stòraichean ’s na taighean-gnothuich ’sa bhaile so dùinte fad an latha, agus bha seirbheisean anns gach aon de na h-eaglaisean ’sa mhaduinn. Rainig nighean òg d’an ainm Mòr Chaimbeal, aois chòig bliadhna fichead, a dachaidh ann a’ Woodstock, Ontario, o chionn ghoirid, an deigh dhi tigh’n á Platte, Nebraska, astar tri cheud deug mile. Rinn i an turus ann an carbad, agus cha robh creutair beò còmhla rithe ach còig eich a thug i leatha dhachaidh. Thug i da mhios air an rathad. Chaidh fear Ailein Camaran a ghoirteachadh gu dona ann am Mèinn Victoria Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit ni-eigin air ’s e aig obair agus chaidh a lamh a bhristeadh. An la-’na-mhàireach, chaochail piuthar dha a bha tinn beagan sheachdainean roimhe sin. Bha iad le chéile a fuireach còmhla ri ’n athair, Micheil Camaran. Thugadh a mach an duais air son sgoil Ghàilig ann an oilthigh na Ban-righ, an Kingston, am bliadhna le Eachunn Mac Fhionghain, foghlumaiche òg a mhuinntir Loch Ainslie. Thug bràthair dha a mach an duais cheudna an uiridh. ’S fhiach an duais tri fichead dolair. Tha i air a buileachadh air an oilthigh gach bliadhna le Mr. M. C. Camaran, an Goderich, Ontario Tha càirdean Shortis, am fear a th’ air a dhiteadh gu bàs ann an Cuibeic air son mort oillteil a rinn e, a deanamh an uile dhichioll air a bheatha ghleidheadh dha. Tha iad a’ cur tagradh dh’ ionnsuidh an Ard Riaghladair a bheatha leigeadh leis, agus a chur do’n tigh-oibreach ri ’bheò. Cha’n eil fhios co-dhiu gheobh iad an iarrtas no nach fhaigh, ach cha’n eil e gle choltach gu’n cuir an t-Ard-Riaghladair làmh ’sa chùis idir, ach gu’m fàg e i mar a dh’ fhàg a chùirt i. Chaidh tuathanach ann an Eilean à Phrionnsa a robaigeadh an oidhche roimhe. Bha seachd ceud dolair aige ’n gleidhead ann an ciste, còig ceud ’na notaichean agus da cheud de dh’ òr. Bhrist am meairleach a stigh air té dhe na h-uinneagan, thug e mach a’ chiste ’s thug e leis na notaichean, ach cha do stad e ris an òr fhaotainn, a bha ’n grunnd na ciste. Cha do dh’ fhairich an tuathanach starbaich sam bith ’s cha robh fhios aige gu’n d’ thainig call sam bith air gus ’n do dh’ éirich e ’sa mhaduinn. Fhuair ard-oifig na Cuspuinn ann an Ottawa litir an la roimhe agus leth-cheud dolair ’na broinn, ’s gun ainm rithe idir, ach ge b’e co a sgriobh i, thuirt e gu’m buineadh an t-airgead do thigh-na-cuspuinn ann a Halifax. Cha’n eil teagamh nach do chuireadh an t-airgead air adhart le cuid-eigin a rinn slaoightireachd air luchd-na-cuspuinn uair no uair-eigin, agus a ghabh an t-aithreachas air a shon. ’Se “airgead cogais” an t-ainm a thugadh air airgead a thig air ais air an dòigh so. Bha tuathanach ann an cearna de dh’ Ontario, a dol dhachaidh oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus anns an dorchadas ghabh e ’n rathad cearr agus chaidh e le creig, deich troighean fichead a dhoimhnead. Chaidh e fhéin ’san t-each a mharbhadh. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil coithional Hogomah a’ dol a dh’ fhaotainn ministeir suidhichte an deigh do’n chùbaid a bhi falamh còrr us da bhliadhna. Tha iad a toirt gairm do’n Urr. Alasdair Ross, a bha àireamh mhor bhliadhnaichean na mhinisteir ann am Pictou, agus tha sinn a tuigsinn gu bheil Mr. Ros a’ dol a ghabhail ris a gharinn. Tha ’n coithional a gealltuinn ochd ceud dolair ’sa bhliadhna dha, agus bi’dh fear-cuideachaidh aca còmhla ris fad an t-samhraidh. Tha ’n coithional mor agus farsuinn, agus bhiodh an t-saothair tuilleadh us trom air aon duine. Chaidh seòladair do’m b’ ainm Alfred Bartol, a bhàthadh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air bòrd soithich a bha ri taobh te de na laimhrigean. ’Sa mhaduinn Dior-daoin, dh’ fhàg e a leaba tràth ’sa mhaduinn, agus cha d’ fhuaireas sgeul air tuilleadh gus an d’ fhuaras a chorp an grunnd an uisge ri taobh an t-soithich. Thatar a deanamh mach gu’m b’e éiridh ’na chadal a rinn e, agus gu’n do thuit e mach air cliathaich an t-soithich. Dh’ fhàg e bean us triùir chloinne. Tha taghadh nan Comhairlichean seachad, agus tha iadsan a roghnaich an sluagh a nise ri bhi ann an dreuchd fad nan tri bliadhna tha tighinn. Tha aon àite anns an t-siorrachd so, na Forks, nach eil fhios cò tha stigh. Bha dithis a feuchainn, W. A. Richardson agus Alasdair Caimbeul. Bha ’n Caimbeulach a deanamh a mach nach b’ urrainn do Richardson ruith, agus cha do sheas esan latha ’n taghaidh idir. Bha mar sin an taghadh aig Richardson dha fhéin. Cha bhi fhios co comhairliche dligheach na sgireachd gus an téid a chùis a reiteach air beulaobh cùirte. Tha sgireachd no dha ann an Cuibeic anns nach do phàigh an luchd-àiteachaidh cha mhor sgillinn cise bho chionn chòig bliadhn’ deug. Rinn luchd-riaghlaidh na mor-roinne o chionn ghoirid suas an inntinn gu’n toireadh iad orra a chis a phàigheadh a dheòin no dh’aindeoin. Chuireadh sgioba de mhaoir air falbh an toiseach, ach thill iad sin mar a dh’ fhalbh iad. B’ fheudar an uair sin buidheann de shaighdearan a chur a mach, agus thill iad-san feasgar Di-ciaduin s’a chaidh gu buadhach, an deigh a chis a thogail cha mhor uile. Cha d’ thainig orra cron sam bith a dheanamh. Tha na sgireachdan so fad aia chùl, agus bha ’n sluagh a reir coltais an dùil nach ruigeadh an lagh orra. Chaidh tigh na theine am baile Phaisley, an Alba air a cheud latha dhe’n mhios so, agus an deigh dha’n teine bhi air a chasg, fhuaireadh a mach gun robh boirionnach a bha fuireach san tigh air a tachdadh leis an toit. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 158] [Vol. 4. No. 20. p. 6] Seumas Dauson. ’Nuair a bha Prionns’ Tearlach a’ tilleadh air ais an deigh eagal a bhualadh leis na Gaidheil troimh chridhe mheamnach Shasuinn dh’fhag e air an rathad ann an Carlisle, tri cheud do’n Reiseamaid a thogadh ann am Manchester gu bhi ’nan gearastan anns a’ bhaile criche ud. Am measg nam feadhainn so bha Seumas Dauson mac duine bheartich. Bha e aig an am ’na oileanach aig aon do Oilthighean Shasuinn. Ach ghabh e taobh a’ Phrionnsa. An ceann da latha thainig Diuc Chumberland fa chomhair baile Carlisle le a armailt. Dh’iarr e air a’ ghearastan toirt suas ach dhiult iad. Mhair an t-seisd a chuireadh ris a’ bhaile fad deich laithean; ach fa-dheoidh thoisich ballachan grod a’ bhaile air falbh, agus cha robh aig a’ ghearastan ach toirt suas no bhi air an losgadh. Chuireadh bratach gheal a suas air an aonamh la deug a dh’innseadh gu’n robh iad a’ toirt suas. Chaidh Seumas Dauson agus seachd deug eile a thoirt ’nam priosanaich do Lunnuinn. Cha robh fios aig parantan Sheumais gus a nis gu’n d’eirich e leis a’ Phrionnsa, ged a chual’ iad gu’n do theich e o’n Oilthigh. Bha aon eile ann a bha cho bronach r’a chairdean—Fanny Lester a bha fo ghealladh posaidh aige. Bha iad eolach air a cheile o’n a bha iad ’nan leanaban; agus chaidh i nis i-fein a Lunnuinn a ghuidhe air an righ mathanas a thoirt da. Fhuair i steach far an robh Seumas ’sa phriosan; agus bha a chridhe-san lan gairdeachais gu’n d’ thainig i a thoirt comhfurtachd dha. Bha i faotainn far an robh e a’ h-uile la, is bhiodh iad a bruidhinn le cheile air mar gheibheadh e mu sgaoil ’s a’ misneachadh a cheile. Bha muinntir a h-atharsa agus atharsan ’nan daoine aig an robh tomhas do ughdarras; agus bha iad gach la an crochadh ri uaislean mora na rioghachd a dh’ fhaotainn mathanas do Sheumas; ach, ged bha geallanna fabharrach air an toirt a nis agus a rithist, cha robh mathanas ri fhaotainn. Chaidh se miosan seachad agus an dùil fadheoidh gu’n leigteadh Seumas mu sgaoil chaidh a shuidheachadh gu’m posadh e fein is Fanny an la a leigteadh a mach e. Ach ’s ann a chaidh a thoirt gus a’ chuirt comhla ri cach. Bha Fanny agus na parantan agus an cairdean a lathair; mu dheireadh chuala i am facal “ciontach” air a radh; ’s thugadh na priosanaich air falbh a dh’ fheitheamh la a’ chrochaidh. Bha let dhochas fathast gu’m feudadh an righ aig a’ mhionaid mu dheireadh mathanas a thoirt seachad. Ach chaill Fanny a duil ris a so; stad i a bhi cainnt mu shaorsa na mu phosadh; is ann a bha labhairt a nis mu ’n t-siorruidheachd agus mu iad a bhi comhla ann an sud a chaoidh. Cha’n fhaicteadh a nis deur air a suil no gluasad air a h-iomhaigh. Bha i seamh le a cridhe runaichte air na bha roimpe. Mu’n d’thugadh air falbh e a chrochadh fhuair i a fhaicinn. Glac e gu teann r’a chridhe i, agus thuirt e “slan leat, slan leat, O ghaoil—beannachd, beannachd shiorruidh leat!” “Cha’n ann gu siorruidh,” thuirt ise, “coinnichidh sinn a rithist. Cha bhi ann ach beannachd ghoirid—slan leat a ghaoil. Coinnich am bas gu duineil. Bidh sinn le cheile gu goirid” An latha bha iad ris a’ cheann a thoirt deth, bha ise an lathair aig taobh a mach chaich. Bha i ann an coidse comhla ri da bhanach-araid. Chunnaic i aon an deigh aoin a’ tighinn gu bhi air a chrochadh; b’e Seumas am fear mu dheireadh. ’N uair a chuuuaic i esan dh’fhas i dall—cha chuala i toirm an t-sluaigh mu’n cuairt—tharruing i a ceann air ais do’n choidse—thuit i air gualainn a bana-chompanach, ’s i ag radh, ‘A ghaoil! tha mi falbh leat! tha mi falbh leat!” a’ cur a da lamh comhla,—“Iosa chaoimh, gabh ri ar n-anaman!” Thug iad lamh air a ceann a thogail, agus a cumail suas ’nan gairdeanan, ach thuit i air a h-ais gun chli gun bheatha; chompanaich a spiorad esan anns an robh a cridhe a sas; is thug i suas an deo á cridhe briste. Air a leantuian o thaobh 3. De na measan a bha air am fagail ghabh mi a’ chuid a b’fhearr agus chuir mi air trinnsear iad; agus o nach b’ urrainn dhomh amas air sgian ga’n gearradh, dh’fheoraich mi da’n ghille òg am b’aithne dha càite ’m faighinn te? “Gheobh” ars esan “anns-a bhosdan gu h-ard os mo chionn.” Chunnaig mi an sgian gu h-ard, ach ann an cabhaig an uair a bha i agam am lamh air do’m ’chas dol an ribeadh anns a’ bhrit-urlair thuit mi gu mi-fhortanach tarsuinn air an oganach bhochd, agus chaidh an sgian anna an uchd aige gu ruig an cridhe. An uair a chunnaig mi ciod a thachaia ghlaodh mi gu craiteach. Bhuail mi mo cheann, m’ aodann agus m’ uchd; reub mi m’ eudach; thilg mi fein air an talamh le doilgheas agus bron do-labhairt. Na ’n taisbeanadh am bas e fein domh aig an am dh’ fhailtichinn gu toileach e—ach an ni a dh’ iarramaid ma’s math no ma’s olc e, cha tachair e a reir ar miann. Gidheadh, air cuimhneachadh dhomh nach tugadh mo dheoir no mo bhron air ais an t-oganach grinn agus, air do’n da fhichead latha bhi nis air tighinn gu crioch, gu’m faodadh athair teachd orm gun fhios, dh’ fhag mi an t-ionad uaigneach, chuir mi an leac air beul an tuill agus chomhdaich mi thairis le uir i. Chaidh mi a suas air m’ ais do’n chraoibh a chuir fasgadh orm roimhe. Is gann a bha mi shuas an uair a chunnaig mi an soitheach a’ dluthchadh ris a’ chladach. Thainig an seann duine agus na traillean air tir gu togarach agus thainig iad, le gnuis lan dochais, a dh-ionnsaidh an aite anns an d’ fhag iad an t-oganach; ach ’n uair ’chunnaig iad gu’n robh an talamh air ur charachadh, mhuth ìad neul, gu sonruichte an seann duine. Thog iad an leac agus chaidh iad a sios an staidhir. Ghairm iad an duine og air ’ainm; ach cha d’ fhuair iad freagradh. Lion mor eagal iad. Rannsaich iad m ’an cuairt, agus mu dheireadh fhuair iad e’n a laidhe air an leabaidh agus an sgian troimh a chridhe, oir cha robh de mhisneach agam na spion as i. Air faicinn so dhoibh dh’eigh iad a mach air mhodh cho craiteach ’s gun do shil mo dheoir as ur. Bha an seann duine truagh cho fada ann an neul ’s gun d’ thug iad duil-thairis d’a bheatha; ach thainig e thuige mu dheireadh. Thog na traillean leotha corp a mhic, dh’eudaich iad ann an deise riomhach e, agus air dhoibh uaigh a chladhach chuir iad innte e. Thilg an seann duine ’s e ’n a aheasamh le taice dithis de na traillean agus a shuilean a’ sruthadh le deoir, a’ chiad uir air a’ chorp agus an deigh sin lion na traillean a suas an uaigh. Air d’a so a bhi seachad, thug iad a nios an airneis gu leir agus chuir iad i maille ris na bha air fhagail de bhiadh air bord air a long. Chaidh an seann duine, agus e air toirt thairis le bron, a ghiulan air cro-leabaidh a dh-ionnsaidh an t-soithich, thog iad a siuil rithe agus ann am beagan uine bha iad as an t-sealladh. MAC-MHARCUIS. [TD 159] [Vol. 4. No. 20. p. 7] LITREACHAS IS CEOL.—Bha iad so ri ’m faotainn ann an Glaschu air an t-seachdain a dh’fhalbh. Thàinig soirbheachadh mòr gu muinntir a mhòid anns a’ bhaile chumhachadh ud; agus bidh cumhne chaomh aig ioma do chlan na Gàidheal air an latha agus air an oidhche ud a ruith seachad cho taitneach ann an companas na seann chanain. Bidh e ’na thaitneas do na Gàidheil anns gach ceàrn a bhi cluinntinn gu’m beil bàird, mar tha Mac-Fàidein agus an Rosach a làthair ’nar measg; agus mar an ceudna gu’m beil a’ h-uìread do luchd-ciùil ag éiridh a suas a bhios ’nan cliù d’an dùthaich. Tha dòchas gu’m bi comas seinn is ciùil mar so a’ fàs anns gach sgìreachd feadh na Gàidhealtachd. Theagamh nach ’eil na bliadhnachan fad ás anns am faigh sinn luchd-seinn is luchd-ciùil foghainteach feadh uile chrìochan nan Gàidheal—Oban Times, Nov. 2. Bha Iain na ghàradair aig duin’-uasal. Thainig bean a mhaighstir a mach far an robh e aon latha, ’s an deigh dhi bhi ’g amharc air ag obair car tacain thuirt i ris, “’S gasda ’n an obair a ghàradaireachd, Iain,” “Seadh, gu dearbh,” ars Iain. “’S iomadh uair a chuair e iongatas orm nach do phòs thu riamh, Iain,” arsa ’bhean-uasal. “Cha’n eil fhios aig duine air sin ach agam fhéin,” ars Iain. “Ma ta,” ars’ ise, “bu gharadair Adhamh, agus ghabh e bean d’a fein.” “Tha sin ceart,” ars Iain, “ghabh Adhamh bean da féin cinnteach gu leòr, ach ma ghabh cha b’fhada ghleidh e obair an deigh sin.” Chaidh sealgair a mach a shealg. Aig an àm cheudna chaidh mathan a mach a dh’itheadh. Chunnaic an sealgair am mathan. “O”, ars an sealgair, “sud mo chòt-uachdair béin;” Loisg e urchair. Leum am mathan air cùl craoibhe, ’s cha do ghoirticheadh e. “O”, ars am mathan ’se sealltuinn air an t-sealgair, “sud mo dhinneir”, agus air ball dh’ith e an sealgair, Mar sin fhuair iad le chéile an dùrachd an sealgair a chot-uachdair béin, agus am mathan a dhinneir. Thatar ag radh gur i ’n t-sràid a’s fhaide th’air an t-saoghal, sràid Washington ann am Boston, a tha seachd mile deug gu leth a dh’fhad, agus gur i an t-sraid a’s giorra th’air an t-saoghal Rue Ble, ann am baile Pharis, ’san Fhraing, nach eil ach gann fichead troigh a dh’fhad. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 160] [Vol. 4. No. 20. p. 8] ORAN Do Dhotair Ailain Mac-Gilleain as an Ros Mhuileach, an uair a bha e dol air chuairt do’n eilein Sgitheanach agus a chaidh cunnart bathaidh air. LE DOMHNALL BAN AN LIOBA. LUINNEAG. O soraidh slan do ’n ailleagan A ghluais an tus an raidhe bhuainn, Mo dhurachd thu thigh’nn sabhailte Gu failteachas do dhuthcha. Tha ionndrainn bhuaiun ’s an àite so, Gur fada leinn o’n dh’ fhàg e sinn; ’S e Dotair Ruadh nam blàth-shùilean; Tha fiamh is àilleachd Diùc air. Gur bliadhna leinn gach seachduinn Bho na thriall thu bhuainn do Thalasgair: Gu’n danig fuachd is gaillionn oirnn; Gur fada leinn an ùine. Gu’n d’ fhuair sinn sgeul bu duilich leinn, An àm bhi fàgail Mhuile dhuit, Gu ’n d’ fhuair thu deuchainn chunnartach, ’S bu mhuladach sud dhuinne. B’ e sud an sgeula craiteach dhuinn Nan cluinneamaid gu’n d’ bhàthadh thu; Tha m’ inntinn air a h-àrdachadh Bho’n thànig thu gun chunnart. Gur h-e mo rùn an caiptin Air an dig na h-airm gu fasanta; Thig claidheamh caol an tarsuinn ort, ’S thig gunna glaic nach diùlt duit. Gur math thig deis’ dhe ’n sgàrlaid, ’S i ùr o laimh nan tailleirean; Mar ròs am meadhon gàraidh thu, ’S e fás an am na dùlachd. Do chalbannan geal fìnealta. Mar bhradan ann am fior-uisge; Troigh shocrach am bròig dhionaich thu A bhiodh an sioda dùnadh. Tha sealladh sèimh na maighdinn ort, Tha deanamh cruaidh an t-saighdeir ort, ’S do chridhe mar an daoimean ’Deanamh soillse measg gach cùinnidh. Nam faighinn fhin mar dh’ òrdaichinn Do rogha céile pòsd’ agad Le oighreachd fhearainn shònraichte, ’S ann dhòmhsa nach biodh cùram. Bu chinnteach mi á aite dheth Nam b’ urrainn mi a phàigheadh dhuit; Is ged nach biodh am màl agam Gu’m faighinn dàil is ùine. Is slat de ’n abhall phrìseil thu; Bu dosrach an àm cinntinn i, Ged ’tha i ’nis air crìonadh; Cha’n fheil ni air nach tig mùthadh. Bu lighiche bha sàr-mhath thu, Nuair dh’ fheuchadh tu le d’ làmhann sinn Mar fhiadh a bhiodh air fánas Bhiomaid slàn a chum ar tùrna. Gach greim a bhiodh ’s an fhearann so, Gach tinneas cléibh is anshocair Gu’n léighseadh tu le d’ cheanaltas ’Nuair ’thigeadh t’ anail dlùth dhuinn. Fànas, a void space. Bha ’n Dotair Ruadh pòsda ri Fionnaghal, nighean Mhurchaidh Lochabuidhe. Chaochail e mu’n bhliadhna 1828. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MACLAOMUIN, M. A. D. D. CAIB. VIII. “Feumaidh gu’m bheil iad air a chuthach” arsa Tòmas. “Tha’n cridheachan air an cruadhachadh,” thubhairt Timoteus, agus a shùilean làn dheur. “Cha tig iad d’ar n’ionnsuidh chum ’s gu ’m bitheadh beath aca,” thubhairt Eudmhor, “ach nach fhaod sinn tuille dheanamh riutha?” Bha Tuigse na thosd. Nuair bha clar-uachdair “Sean Fheolmhoireachd” air a sguabadh leis na tuinn thilg Deadh-choslas deth gach sgàth, mhionnaich agus mhollaich e. Nochd aon de’n sgiob’ aige iarratas dhol air bòrd a “Gheallaidh;” thubhairt e ris gu sgeigeil, “Seadh, seadh, bitheadh tu air do shàbhaladh ann an tuba.” Rinn a chuid eile gàire, eadhon nuair bha ’m bàs dlùth, agus esan aig an robh a chridh air a thaiseachadh, chaill e bheatha do bhrigh gu robh eagal air o ghàire. Dh’fheith na maraichean agus ghlaodh iad, ach cha do chuir iadsan a thainig iad a thearnadh suim annta, oir bha iad cinnteach gu’n cuireadh am prionnsa aca cuideachadh. Chaidh cuid dhiubh sios anns an t-sàl gus an amhaich, ach cha gairmeadh iad airson cobhair. Cha threigeadh an t-aingidh a shlighe no ’n duine mi-dhiadhaidh a smuaintean. Ach ni bu mhuladaiche na so, b’urrainn da na lseoadaran, mnathan agus clann, a tuiteam aon as deigh aon—agus air an call. An sin thainig tonn mor a chuir eadhon an Gealladh ann an cunnart, ach air do Thuigse tionndadh mu’n cuairt ris bha iad sàbhailte. Bhrùchd, an tonn air Seann Fheòlmhorachd agus chualas glaodh an eu-dòchais, a reub na speuran. Sguab slatan agus maidean briste seachad gu luath. Chaidh Caiptean Deagh Choltais, a sgioba, am mnathan, sgus an clann, gu tur a dhìth. Thog na maraichean suas an guth agus ghuil iad; chunnaic iad a nis cealgaireachd a pheacaidh. Dh’ fheith iad tiomchisll gus an robh gach dòchas seachad agus phill iad le cridheachan dubhach dh’ionnsuidh an t-soithich. Bha fios acasan a dh’feuirich air bord ciod a thachair, agus rinn iad bròn maille riutha. Gidheach bha ainm an Tighearna air àrdachadh. (Air a leantuinn. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 161] [Vol. 4. No. 21. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 30, 1895. No. 21. Litir a Dunbheagain. FHIR-DHEASACHAIDH IONMHUINN;—Is iomadh car a chuir an talamh dheth, m’as fior gu’m bheil e ’deanamh sin uair ’s na ceithir-uairean-fichead, bho na bhog mi mo fheann roimhe ann an dubh gu bhi sgriobhadh gu bhur paipeir laghach. Tha mi glé thoilichte m’ fhianuis a thabhairt, m’as fiach i ni, air fiùghalachd libreachais a MHIC-TALLA, Is math a gheibhear sibh le bhur n-iomraidhean ath-ghearr agus bhlasda ann an cainnt nan sonn bho na caoehladh cheàrnaibh do’n chruitheachd anns am bheil a chainnt sin air a’ labhairt. Bheir mi oidhearp air cunntas beag a thoirt do luchd-leughaidh a MHIC-TALLA air gu de mar a tha cuid de thuathanaich na ceàrnaidh so de’n talamh a’ deanamh. Bha a bhliadhna so ro thorach ’nar measg. Tha biadh duine agus ainmhidh ann am pailteas aig gach tuathanach. Fhuair sibh iomradh o chionn beagan sheachduinnean air tuathanach a thog tri fichead buiseal dhe’n da bhuiseal a chuir. Tha againn tuathanach faisg air Dunbheagan ann an Gleann-a-garradh fear Dunnachadh Mac Rimein a chuir tri fichead tunna ’sa sia deug do dh’eòrna mòr ann an ciste dion arbhair (Silo) air a bhliadhna so. Thug an tuathanach ceudna so air an Fhoghar so tromh mheadhon innleachdach a dh’ éirich ’na cheann féen air uisge a bha còrr is dà cheud troidh air falbh agus mu dheich troidhean fichead na b’ìsle na bàthach a chruidh gus a bhi deiseal aig laimh na h-uile là troimh ’n gheamhradh a bhitheas e biathadh nan ainmhidhean. Is ann troimh phiob fhiodhla air a leigeil fodh’ ’n talamh a tha an t-innleachd so ag oibreachabh. Ma tha neach ’s am bith iarrtanach air min chùnntas fhaotainn air an innleachd so cuiridh Maighstir Mac Rimein thuige e, oir cha duine gu’n chùram mu thimchioll soirbheachaidh a cho-chreutair e. Tha e calg-dhìreach an aghaidh sin. Fhuair ar caraid Maighstir Callum Deòra an tuathanach cothromach so gu bhi ’na Ghabhadair agus tha mi cur airgiod nan uaislean so air-son na bliadhna a tha ri tighean gu ur n-ionnsuidh, còmhla ri m’ airgiod féin agus airgiod Alasdair Friseil. Soirbheachadh math leis a MHAC-TALLA! R. Dunbheagain, Ont. Litir a New Zealand. Bha soitheach tri-chrannach do’m b’ainm Handen Isle air a turas eadar New Zealand agus Sidni, an Australia bho chionn beagan sheachdainnean, agus chunnaig iadsan a bh’air bòrd da mhuc-mhara mhor a tigh’n an rathad. Thainig te dhiu le ’h-uile neart agus bhuail i air an t-soitheach mu uachdar an uisge. Chaidh dochann mor a dheanamh air an t-soitheach; chaidh tsi de na bùird air an taobh a mach a bhristeadh ’sa sgealbadh as a cheile; cuide ris na tarsunnanan agus an linigeadh air an taobh a stigh. Bha’m fosgladh cho farsuinn ’s gu robh an t-uisge a’ dòrtadh troimhe mar amhuinn. Chaidh an taomadair a chur air obair gun dàil, agus b’fheudar plaideachan agus aodaichean leapa eile a dhinneadh anns na tuill ’s anns na sgaran mu’n b’urrainn dhaibhsan a bha taomadh an anail a leigeil. ’Se luchd fiodha a bh’anns an t-soitheach; chaidh na maidean a bh’air a chlar-uachdair a thilgeadh a mach air a cliathaich chuma h-aotromachadh, agus rinn sin an obair ni b’aotroma orra-san a bha aig an taomadair. Leis an aimsir a bhi ciùin rainig an soitheach port sàbhailte. Cha deachaidh a cuid cleasachd ach glé dhona dha’n mhuic; bha a mhuir dearg le a fuil mu thimchioll an t-soithich. Chaidh i fodha ’n coinneamh a cinn agus cha’n fhacas sealladh tuilleadh dhi. Feumar an soitheach a charadh mu’m fàgar port leatha. Bhuineadh i do Mhr. Domhnull Ross, am baile Auckland. Air an t-seachdamh latha fichead de September, chaochail ann a Waipu, Uilleam Fionnlasdan, tri fichead us ceithir bliadhna dh’aois. B’e treas Mac Iain Fhionnlasdain, (Saighdeir) a bha fuireach aig ceann uisge Bhaddeck. IAIN ROTHACH. 3, 10, ’95. Orain Iain Luim. Rugadh Iain Lom ann an Lochabar mu’n bhliadhna 1615, agus dh’eug e mu’n bhliadhna 1710. Bha e na bhard comasach agus ainmeil. Rinneadh moran de dh’orain leis, ach chan ’eil againn ach beagan diu, mu choig deug air fhichead. Tha iad nan orain luachmhor, araon air son am bardachd agus an eachdraidh. Tha iad a toirt morain eolais dhuinn mu bheachdan agus ruintean nan Seumasach, mar a theirteadh ris an fheadhainn a bha seasamh air taobh nan Stiubhartach. Chruinnich an t-Urram. A. Mac-Gilleain Sinclair iad agus chuir e am mach ann an leabhar iad. Fhuair sinn an leabhar an la roimhe. Chaidh a chlo-bhualanh ann am baile Antigonish. Chan ’eil e ach air ur tighinn a mach. Tha e na iongantas nach deach òrain Iain Luim a chur a mach bho chionn fhada. Bu Dhomhnallach e, agus bu Dhomhnallach ainmeil e. Ged nach biodh ann de Ghaidheil ach na Domhnallaich fhein, shaoileamaid nach biodh a chuid oran gun an cur am mach gus a so. Ma tha neach ag iarraidh orain amaideach gun bhrigh ’s fhearr dha gun a chuid airgid a chur an orain Iain Luim. Cha ghluais iad a bheul gu gaireachdaich no inntinn gu beachdan faoine no smaointinnean salach. Ach ma tha e ag iarraidh orain a bheir fiosrachadh feumail dha ’s fhearr dha cur gan iarraidh. Cuiridh sinn an leabhar gu duine sam bith airson coig sentichean deug air fhichead. Fanaidh duine sona ri sith ach bheir duine dona duibh-leum. [TD 162] [Vol. 4. No. 21. p. 2] SEALLADH AIR AIS. (A RETROSPECT.) LE MARIA LAWSON. Og agus mar a tha an duthaich againn, tha àireamh a tha sior-mheudachadh innte de luchd-ceirde ’tha daonnan nan leth-thàmh air neo diomhanach, dotairean gun euslaintich, ministeirean gun chothionail, luchd-ealaidh nach eil na’m faillinean ach mar gu’m biodh tachartas ann an cuairt am beatha, agus daoine tha air caochladh dhòighean a’ tigh’n beò air goraiche agus laigseachan an co chreutairean. Cha sluagh mi-bheusach iad so uile idir. Tha chuid mhòr dhiu toileach obair a dheanamh, na faigheadh iad i ri deanamh. Ach thug iad uile gu margadh bathar dhe bheil i cheana làn, agus cha cheannaich neach air bith uatha e. Tha iad a call a misnich, agus an darra cuid a’ tuiteam ann am bochdainn air neo a buinig le seòltachd agus ceilg an ni air nach ruig iad le saothair onarach. Co is urrainn am fulangasan fein no fulangasan na muinntir tha ’n crochadh riu so innse? Tha sinn a creidsinn gu bheil iomadh olc anns an t-saoghal a ghabhas leasachadh, uime sin feuchaidh sinn ri fhaotainn a mach gu de dh’ aobharaich cùisean a bhi mar so, agus ciamar a ghabhas iad cur ceart. Tràth anns a cheud-bliadhna so, b’ fheudar do chuideachdan beaga do luchd-imrich an t-seann dùthaich fhàgail, aig caochladh aimsirean, agus tigh’n gu cladaichean an ear Chanada, a dh’ fheuchainn ri ’n crannchur a leasachadh. Bha coltas glé iargalta air an fhearann, còmhdaichte le coille ard dhlùth, dhe gach seorsa fiodha fad an seallaidh. Bu shaighdearan cuid dhe ’n luchd-imrich, iasgairean moran dhiu, tuathanaich no ciobairean cuid eile agus b’e fear ainneamh dhiu a fhuair a cheud leasan ann an gearradh na coille, an obair a dh’fhemas e chleachdadh bho so a mach. Ach bha am mnathan agus an clann bheag maille riu, air tilleadh air ais cha robh ri smaointeachadh; uime sin a taghadh an ionaid bu ghealltanaiche, mar bu trice ri taobh an uisge thòisich iad air deanamh dhachaidhean dhoibh féin. An ùine ghoirid bha àite air a ghlanadh, agus bothan beag logaichein air a thogail. Bha na sgaran eadar na logaichein air an dùnadh le criadh no le còinnich. Ma bha ’n teaghlach mor, ’s dòch gu’n robh an tigh air a roinn le balla-tarsuinn troimh ’mheadhoin, agus bha a lobhta a’ deanamh gnothaich air son tigh-stòir agus seòmar-cadail. Bha aon taobh dhe na bhothan air a lionadh le similear mor farsuinn, a chuireadh mach blàths agus solus gu leòr nuair a rachadh a lionadh le connadh. Cha b’ ann na’n támh a bha ’n teaghlach ’nuair a shuidheadh iad timchioll an teine an deigh dorchadh na oidhche. Dh’ innseadh fuaim socrach nan càrdan, gliogan nam biorain-fighe, no srann na cuibhle-shniomh, gu robh na boirionnaich ag ullachadh aodach blàth air son cruas na dùlachd. Bha na fir gu trang a càradh bhròg, a’ leasachadh an innealan tuathanachais, no mar a b’ fhearr a b’ aithne dhoibh a’ deanamh chasan thuagh, oir bi choille an da chuid an nàmhaid bu mhó, agus an caraid a b’fhearr. Cha robh craobh nach robh na seasamh far am fàsadh bàrr, ’s air an laimh eile gheobhadh iad airgiod cruaidh air son gach maide bheireadh iad gu cala air bith anns an robh loingeis ’ga togail air son malairt an duthcha, a bha sior fhas. Mar a dh’fhaodas sinn a smaointeachadh, cha robh leabhraichean aig an àm ach glé ghann. ’S dòcha nach robh dad aca ri leughadh o thùs gu deireadh na bliadhna, ach am Biobull no Turus a Chriosdaidh, mar a tigeadh litir no paipear-naidheachd as an t-seann dùthaich. ’N dràsda ’sa rithist bheireadh caraid a thigeadh ’gan amharc á sgireachd eile, no fear-siubhail a ghlacadh an t-anmoch, cothrom do na daoine còire so am fialuidhachd ’san càirdeas a thaisbeanadh. Cha robh an sgireachd uile ach mar theaghlach bu mho anns an robh compàirt aig gach aon dhe gach bron cho math ris gach gàirdeachas a thigeadh nan rathad. Bha gach cruaidhchas agus mi-fhortan air an deanamh so-ghiulanta le caoimhneas gach neach do ’choimhearsnach. Bha tòrr connaidh na banntraich uidhir ri gin ’sa choimhearsnachd. Cha robh curachd an duine thinn gun deanamh, no a chuid buana air fhàgail gun chruinneachadh. Bhiodh iad gach Sàbaid cruinn anns a bhothan bu mho, air son leughadh na firinn, ùrnuigh a chur suas agus laoidh thaingealachd a sheinn dhàsan a ghiulain leo ’sa chum suas iad gu ruige so. Cha robh am maighstir-sgoile mu sgaoil fhathasd, agus bu latha ri chumail air chuimhne an la thigeadh ministeir nan rathad. Tha nis còig bliadhna fichead air dol seachad. Sguir lamhan nan seann daoine dhe ’n cruaidh-shaothair, ’s tha ’n cuirp a’ gabhail fois anns an uaigh. Tha uaghannan moran dhiu gun ainm gun chuimhne, ach air son sin, tha muinntir Chanada fo fhiachaibh dhoibh air son moran de na chuid a’s fiùghaile, a’s gloine agus a’s firinniche na’m beatha. Tha nis tigh-sgoile air a thogail, agus gach maduinn air a rathad mhor, a tha air gabhail àit’ a chois-cheum a bha troimh ’n choille, tachraidh grunnan de ghillean ’s de nionagan beaga ruiteach, cas ruisgte, riut a dol do ’n sgoil, far nach fheud iad an sùil a thogail bhar an leabhair gu iosal fheasgar, oir b’ fhiach do’n fhear a bhiodh diomhain sùil a mhaighstir sgoile ’sheachnadh anns an àm ud. Tha na gillean mora ’san athair aig obair anns an achadh o chionn fhada. Tha tigh comhurtail freim an deigh a chur suas, ach tha ’n seann bhothan ’na sheasamh làmh ris fhathasd, ’s nuair a bhleòdhnas na caileagan ’san mathair an crodh, agus a ghlanas iad an tigh, tòisichidh iad gu trang air fighe, air sniomh, no air fuaigheal. Cha ’n eil aon diu a smaointeachadh gur cruaidhchas obair ghoirt. An àm an fheòir s na buana bha h-uile nighean san àite cho fad a mach ri ’bràithrean a’ cruinneachadh an fheòir ’se ceangal nan sguab. An ceann ùine tha na gillean òga a’ gabhail fearainn dhoibh féin ’sag amharc air son bana-chompanaich am measg chaileagan bòidheach na coimhearsnachd. Cha ’n eil aon dhiu smaointeachadh air dol a chumail tighe leis fein. Tha mi-sheslbh ga ’n coinneacheadh air uaireabh. Tha bàrr a dol nan aghaidh, tha tinneas, bròn is bas a’ tign’n nan caramh, ach gu ruige so sheachainn ainbhfhiach iad, agus ’s ann ro bhochd a bhios am foghar nach riaraich daoine aig am bheil càil mhath agus deagh shlàinte. Ni spiorad cuideachaidh agus gràdhd ’a chèile, moran air son neartachadh an neach a tha air a thilgeil sios, agus gu tric gheobh an duine dichiollach rathad a mach as gach duilgheadas a dh’ fhàgas e na ’s treise agus na ’s soirbheachaile na bha e riamh. Cha ’n fheum sinn a shaoilsean nach eil e faicinn beagan na’s fhaide na ’fhearann féin a nis. Tha co-chomunn a mhaighstir sgoile sa mhinistear, paipearan naigheachd agus nithean dhe ’n [TD 163] [Vol. 4. No. 21. p. 3] t-seòrsa sin, an deigh inntinn fhosgladh do ioma smuain nach urainn e gu ro mhath a chur an céill. Chuir na daoine làidir ciùin so an reis. Tha iad aig fois bho ’n saothair agus leanaidh an oibre iad,” “Tha ’n cuid mhac, aig am bheil roinn de dh’fhoghlum, a’ gabhail an aite. Cha ’n eil a choille na’s faide a dealachadh gach sgireachd. Tha ròidean iarainn agus smùid-shoithichein an deis co-chomunn a dheanamh soirbh. Tha innealan ùra an deis saothair an tuathanaich aotramachadh ’s tha dòighean eile air deasachadh na talmhuinn an deis am fearann fhàgail na’s toraiche. Ach tha spiorad stri agus mòrchuis a nis air tigh’n nam measg. Tha tighean briagha, carbadan riomhach, eich eireachdail, agus aodaichean cosgail ag itheadh suas buanachd an fhearainn. Tha Ainbhfhiach, dearg nàmhaid Sith Inntinn, a taghal an tuathanaich, na chodal agus na dhùisge. Cha toir toradh an fhearainn a stigh gu leòr air son feuman an teaghlaich. Tha chlann a’ fàs mi-thoilicte agus ’s dòcha gu bheil an athair tuilleadh is cruaidh orra, aig mar a tha e air a sgitheachadh leis na duilgheadasan a thug a ghòraiche féin air. Tha tuathanaich eile ann a rinn feum math dhe na cothroman a bh’aca. Tha iad so a’ cur an cloinne do na cholaiste, air son an deanamh comasach air ait’ a ghabhail anns an aon dhe na professions mar a their iad. Tha moran dhe na daoine òga so, a lionadh àiteachan onarach ann an eaglaisean, ann am pàrlamaidean, ann an cùirtean ’s ann an colaistean ar dùthcha; tha cuid eile dhiu, aig nach robh de fhreagarrachd air son so ach glòir-mhiann am pàrantan, a’ faotainn a mach nuair a tha iad air an tilgeadh air ac earalas féin gu bheil iad eu-comasach air cath a chur ris an t-saoghal, agus an àite éiridh os cionn an seann chompanaich gur ann a tha iad ann an suidheachadh na’s eisimeileiche, na’s lugha pàidheadh, agus docha rud as mo a dh’ fhairicheas iad, na ’s isle ann am meas. Bheir neach air bith a bha air chall ann an coilltean na mor-roinne so, fianuis air gu de cho doirbh sa bha e faighinn air ais dh’ ionnsaidh a chois-cheum air an robh e chianaimh a’ siubhal, ach bha a bheatha an crochadh ri shoirbheachadh. Mo thruaighe! an deis e féin a chlaoidh gu’m b’ fheudar do ’n fhear shiubhail air uairibh toirt suas agus bàsachadh anns an fhàsach. Ach tha aobhar taingealachd againne nach deacha sinn ro fhada air seacharan ’s gu bheil an rathad air ais soilleir. Cha ’n eil neach a shiubhail air feadh na dùthaich fharsuinn so, sa ghabh beachd air na tha de dh’ fhearann torach innte tha fhathasd gun àiteachadh, is urainn gun a smaointeachadh ma tha Canada gu fàs na dùthaich mhor fhiachail, gu feum a chuid a’s lionmhoire dhe cuid mhac, an eòlas, an tuigse san spionnadh a’ chleachdadh ann an toirt as an fhearann na beòshlainte a tha e cho ullamh gu thoirt seachad; aig an àm cheudna, lionaidh iad i le sluagh a ghràdhaicheas an dùthaich mar nach urrainn neach a dheanamh, ach iadsan aig an robh cuid na deanamh suas. Gach duine òg laidir a tha na leth thàmh, no uile gu léir diomhanach, na ’r bailtean mòra, tilleadh e agus toisicheadh e ri tuathanachas. Tha an Talamh, is màthair dhuinn uile, deas air son gach mac stròghail dhiu a dheanamh di-beathaichte, agus air son aran gu leòr agus ri sheachnadh a thoirt seachad air son an uile fheuman. Gheobh iad an obair nach do chleachd iad gu math doirbh ’sa cheud dol a mach, ach ma tha an deicheamh cuid annta dhe ’n dichioll, dhe ’n mhisnich, agus dhe ’n treuntas a bha nan aithrichean a ghabh fearann air cladaichean an ear Chanada, bidh soirbheachadh an cois an saoithreach. Measaidh iad an sin, ’nuair a sheallas iad mu’n cuairt air liosan is achaidhean torach, gu bheil iad ann an seadh gu math fior mur a h-eil anns an t-seadh as àirde, nan co-luchd-obair maille ris-san a tha toirt air “feur fàs do’n spréidh agus luibh air son seirbhis an duine.” Eadar. le IAIN D. Bha duin’ àraidh ann uair a bhiodh gu math tric a sealg agus na’m biodh stoirm ann bu chleachdach leis ’anail a leigeil; agus ma-dh-fhaoidte, an oidhche ’chuir seachad ann am bothan ’sa bheinn. Air an là seo bha e staigh ’s an deagh ghealbhan air a bhial-thaobh, a’s e ’ga thiormachadh ’s ’ga ghaireadh féin. Sùil ’g an d’ thug e air an dorus ciod e chunnaic e ach cat peallach, odhar, agus gur gann a bha e ’leantuinn a chéile leis a’ bhochduinn. Bha dà chù aig an t-sealgair, a’s leum iad air a’ bhéisd cho luath ’sa tháinig e gus an dorus. Cha bu luaithe ’leum na coin air na thug e ràn as agus aig an àm cheudna dh-iarr e air an t-sealgair tròcair a dheanamh air Ghabh an sealgair mòr ioghnadh air do ’n chat labhair ris; agus a chum ’s gu ’m faiceadh e ciod ’n seòrsa beathaich a bh’ aige chaisg e na coin; ’san uair a chaisg cha ’n fhac e ach an cat mar a bha e ’n toiseach, “Thig gus an teine ’s dean do ghaireadh” deir an sealgair. “Cha d’ thig” ars’ an cat, “oir tha eagal orm gu’n geàrr do chuid chon mi.” Thug an cat an seo ròineag fhada do’n t-sealgair, ag iarraidh air aig an àm cheudna na coin a cheangal leatha ris a mhaide-changail. Chuir an sealgair an ròìneag mu’n mhaide-cheangail, agus leag e air ris a’ chat gu’n do chuir e air na coin i mar an ceudna. An seo thàinig an cat thun an teine; agus cha bu luaithe ’thàing na shìn e air fas mòr. Thug an sealgair an aire do seo, agus ars’ esan, “droch shiubhal ort a bhiast leibeideach, ’s tu tha fàs mòr;” a’s ann am prioba na sùla bha ’n cat cho mùr ri mialchu; agus an ath shealladh chruth-atharraich a’ bhiast e-féin ’s co bh’ aige ach té deth ’bhan-nàbuidhean ris an canta gu coitchionn “Bean an Lagain,” agus air an robh e cho eòlach ’s a bha ’n liagh air a’ phoit. “A shealgair nam beann” deir ise, “thàinig crioch do làithean-sa. ’S fhada le b’fhuathach leat mi féin ’s mo sheòrs’, ach a nise gheibh sinn buaidh.” Leum i air, ’s rinn i greim air a sgornan’ ach cha bu luaithe ’leum na ’leum na cein oirre-se; “teannaich a’s tachd a roineag” ars’ ise—’si ’n dùil gu’n robh an roineag mu abhaichean nan con—’s cha bu luaithe ’thuirt, na ’gheàrr an roineag am maide-ceangail. Bha na coin an sàs innte, ’g a caobadh ’s ga reubadh, ach mu dheireadh fhuair i uapa, ’s am prioba na sùla dh-fhalbh i air iteig ’an cruth fithich. Na labhair gu h-olc mu na daoine a tha marbh. Mur urrainn dhuit am moladh fan sàmhach. Ma thilgeas tu oladh air an uisge fanaidh i an uachdar Air a cheart dòigh, thig an fhirinn an uachdar an uine nach bi fadà. Tha uamhar ’na ni gun tlachd anns gach neach, ach gu h-araidh anns na daoine òga. [TD 164] [Vol. 4. No. 21. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 30, 1895. Tha cheannairc ann an Cuba a sior dhol air adhart. Tha ’n Spainn a cur roimpe an t-eilean a chumail aice, agus tha muinntir an eilean a cur rompa a thoirt as a lamhan gu buileach. Chaill an Spàinn bho na thòisich an cogadh da mhile air fhichead duine (22,000) eadar na chaidh a mharbhadh ’sna blàir agus na bhàsaich ’sna taighean-eiridinn. Cha’n eil fhios de’n àireamh a chaill na ceannaircich, ach ’s cinnteach gu’n do chaill iad gu leòr. Tha e doirbh a dheanamh a mach de cho fad ’sa leanas an cogadh fuilteach so no cò ’n taobh a bhios buadhach aig a cheann mu dheireadh. Tha cùisean ann an Armenia gun moran atharrachaidh. Cha’n eil latha dol seachad gun sgeul ùr a tighinn air mort ’s air marbhadh. Ma tha gus nach eil an Sultan deònach stad a chur air an obair, cha’n eil moran coltais air gu’n téid aige air sin a dheanamo. Tha moran de Theachdairean aig eaglaisean na Roinn-Eòrpa ’s Amurica ann an Armenia; gu ruige so cha chualas gu’n d’rinneadh cron sam bith orra fhéin, ach chaidh an cuid a thoirt uapa agus an taighean a losgadh; thatar a meas gu robh fiach còrr us ceithir fichead mile dolair air a chall air an dòigh sin, agus tha na teachdairean o’n d’ fhuaireas fios a’ gabhuil eagail nach faigh iad as le’m beatha. A bharr orra sin, tha àireamh ann an cearnan iomallach de’n dùthaich o nach d’thainig fios o chionn treis a dh’ùine, agus tha eagal mor da’n taobh sin. Tha naidheachd ghràineil a’ tigh’n a Constantinople, ceanna-bhaile na Tuirce. Bhatar a’ dol a thogail laimhrig aig beul na h-acarsaid, agus chaidh àireamh de thumairean (divers) a rannsachadh fodh’n uisge air son an stéigh a leagail. Am feadh ’sa bha iad gu h-iseal, fhuair iad àireamh mhor de chuirp nan seasamh air a ghrùnnd. Dh’ aithnich fear de na tumairean iad, agus tha e ’gradh gu’m fhòghlumaichean òga iad a bha dol do fhear de dh-oilthighean a bhaile. Bha cnap mor luaidhe an ceangcl ri casan gach fhir dhiu, agus bha sin ’gan cumail nan seasamh. Bha eadar da fhichead us leth-cheud ann dhiu air fad. Cha’n eil teagamh nach do chuir na daoine truagha corruich air an t-Sultan, agus gu’n do ghabh e’n dòigh uamhasach so air an cur as an rathad. Bha stoirm mhor aca ann an Stàitean New York, Ohio, agus Illionois, Di-luain s’a chaidh. Bha craobhan air an spionadh as am bun, taighean air an leagadh, agus moran millidh air a dheanamh air iomadh ni eile. Bha uisge ’s sneachda ’sileadh, agus ann an caochladh àitean bha piosan de na ròidean-iaruinn air an sguabadh air falbh leis an tuil. Ann an iomadh aite cha d’fhairicheadh a leithid de stoirm o chionn aireamh bhliadhnaichean. Ann am baile New York, tha tri ceeud ’s ceithir deug air fhichead mile duine (334,000) a rugadh anns na Staitean, tri cheud ’s ceithir fichead ’s naoidh mile deug (339,000) a rugadh ann an Eirinn, agus ceithir cheud ’s ceithir mile (404,000) a rugadh anns a Ghearmailt. Cha’n eil ach mu aon duine as a cheathrar a fhuair a bhreith us ’àrach anns na Stàitean. Chaochail Sir Henry Ponsonby, rùn-chléireach na Ban-righ, ann an Eilean Wight, air an aonamh latha fichead dhe’n mhios so, agus bha e air a thiodhlacadh le mor greadhnachas Di-màirt s’a chaidh. Bha moran de dh’ uaislean na dùthcha air an tòrradh. Tha sinn an dòchas gu’n dean ar càirdean anns gach aite an uile dhichioll air cuideachadh leis a MHAC-TALLA air a mhios a tha tighinn. Cumadh iad air chuimhne gu bheil sinn a toirt pàirt de’n Choisir-Chiuil do gach aon a gheibh ainm agus dolair fear-gabhail ùr dhuinn, agus na tri pàirtean do fhear a gheibh a dha. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 165] [Vol. 4. No. 21. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha fearann aig Morair Obaraidhean ann an Columbia Bhreatunnach air am beil e togail mheasan agus hops. Tha iad ag radh gu bheil e deanamh glè mhath air. Bha sia òirlich shneachda air an làr ann an ceàrnan de New Brunswick o chionn che’-la-deug, agus bha na sleigheachan cho siùbhlach ’sa bhiodh iad an teis-meadhoin na dùdhlachd. Faodar a radh nach fhacas sneachda ann an Ceap Breatuinn fhathast. Thug fear Uilleam Farr, ann a Winnipeg, ionnsuidh o chionn ghoirid air a thigh a losgadh agus a bhean ’sa theagalach fhéin ’na bhroinn. Chaidh a thoirt gu cùirt air a shon, agu tha nis aige ris na deich bliadhna tha tighin a chur seachad anns an tigh oibreach. Tha fear Iain Paynes, ann am Montreal, air fhaotainn ciontach de chur taighean ’nan teine, agus fhuair e deich bliadhna dhe’n tigh-oibreach. Bha moran de thaighean ’s de thogalaichean eile air an cur ’nan teine am bliadhna; b’e so a cheud fhear dhe na bha ris an obair sin air an d’rugadh, agus tha luchd-ceartais a bhaile an duil tuilleadh dhe sheòrsa a bhi dol na dheigh an ùine ghoirid. Chaidh gille beag, Iain Mac Isaic, a mharbhadh aig Mèinn Victoria Di-luain s’a chaidh. Leum e air a charbad ghuail, agus an deigh dha dhol astar beag air falbh air, leum e dheth; bhuail e air tòrr guail a bha ri taobh an rathaid, agus chaidh a thilgeadh fodh na carbadan. Chaidh na cuidhlichean seachad tarsuinn air a chasan, ’gam prannadh dheth. Cha robh an giullan bochd beo ach mu thri uairean an deigh a ghoirtachadh. Thatar ag radh gu bheil na ceudan de shoithichean, luchdaichte le trosg, air acair aig St. John’s, Newfoundland, agus air fairtleachadh orra an t-iasg a chreic. Cha’n fhaigh iad pris is fhiach air far an gabh e creic, agus ann an iomadh margadh cha’n fhaigh iad tairgse idir. Thug sin air moran de na soithichean tilleadh dhachaidh, oir b’ fhearr leo an t-iasg a chumail aca fhéin na thoirt seachad air neoni. Cha’n eil sin ach bochd do na h-iasgairean. Rinn an stoirm a bh’ ann deireadh na seachdain s’a chaidh, milleadh mor air soithichean anns na mor-roinnean iseal. Bha moran air an cur air tir leis an stoirm, agus cuid air an droch bhristeadh. Bha soitheach a dh’ fhalbh á Sidni Tuath gu dhol gu Portsmouth. N. H., air a milleadh cho dona eadar so us Halifax ’s gu’m b’ fheudar dhi stad anns a phort sin gu bhi air càradh. Chaidh soitheach eile a Ingonish air tir faisg air Canso ’s tha i an sin fhathast. Chaidh soitheach eile á Newfoundland air na creagan aig beul na h-acarsaid so agus a bristeadh cho dona ’s nach gabh i càradh. BAS. Aig Loch Bhlackett, Forks Shidni, air an treas latha fichead de’n mhios so, an deigh moran tinneas, Màiri Nic Coinnich, nighean Ruairidh Mhic Coinnich. (eildear), seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Chaschail nighean a mhuinntir Ghrand River, do’m b’ ainm Iseabail Mhathanach, ann an Provincetown, Mass., o chionn ghoirid. Thugadh a corp dhachaidh, agus bha i air a tiodhlacadh ann an cladh na sgireachd an la roimhe. Chaidh soitheach-smùide d’ am b’ ainn Albert, a chall faisg air St. Pierre, seachdain roimh ’n t-Sàbaid s’a chaidh. Tha e coltach gu’n do bhuail i air creig, agus an deigh sin chaidh i air tir; fhuaireadh a toirt a mach dh’ an uisge dhomhain, ach bha i cho ao-dionach ’s gu’m b’ fheudar a fàgail. Bha i luchdaichte le feur ’s le coirce á Eilean Phrionnsa, ’s bha i air a turus gu Newfoundland. Bhuineadh i do cheannaicheam ann an Charlottetown, agus bha iad a meas gu’m b’ fhiach i thairis air fichead mile dolair. Cha robh ach mu naodh mile dolair de dh’ airgead-urrais oirre. Bha Mac Rath a loisg air Pringle aig a Bhai Niar air an t-seachdain s’a chaidh air a thoirt gu cùirt Di-luain. Cha robh fianuisean a làthair ach Mac Rath fhéin ’sa bhean ’sa nighean; cha robh duine eile stigh ’nuair a chaidh an urchair a losgadh ach fear Ioseph Catherine, nach robh aig a’ chùirt idir, agus ’si barail moran gu’m b’ esan bu choireach ris na thachair. Tha Mac Rath a’ fuireach ann an àit aonranach aig bonn Beinn Phringle. Tha muilleann-shàbhaidh agus muillean chàrdaidh aige; tha e glé mhath air a dhòigh agus bha ’san ainm gu robh roinn de dh’ airgead a’s tigh aige. ’S ’n fhianuis a thug Mac Rath, agus tha a choimhearsnaich fhein agns iadsan a bh’ aig a chùirt ga’ chreidsinn, gu’n do chual iad éigheach a tigh’n a nuas a bheinn os cionn an taighe, gu’n do ghabh iad eagal agus gu’n d’ fhuair esan daga bha stigh aige. Chaidh iad an sin dh’ ionnsuidh an doruis a dh’ éisdeachd, ach cha chual’ iad an còrr, agus tacan beag an deigh dhaibh tilleadh a stigh gu’n d’ thàinig Catherine a stigh ’s gu’n do thòisich e air toirt droch bheul dhasan. An deigh sin thug e mach botull de stuth làidir, agus thairg e drama dha. Chaidh Mac Rath a mach do rùm eile a dh’ iarraidh siùcair, agus chunnaic e Pringle ’ga fhalach fhéin anns a phoirdse; thill e air ais agus lean Pringle a stigh e. Dh’ iarr e air suidhe ach thuirt Pringle nach suidheadh, agus an ceann beagan mhionaidean thòisich e-fhéin us Catherine air sabaid. Ghabh Mac Rath an t-eagal gu robh cron ’nam beachd, agus dh’ fhalbh e gus an rùm fhàgail, nua a bhuail Pringle e, agus bha e gu bhi ’n sàs ann. Ruith Catherine ’s chuir e as an solus, agus thug Mac Rath an sin a mach an daga ’s loisg e anns an dorcha. Chaidh am peilear ann an com Phringle ’san taobh chli mu dha òirleach gu leth fodh na h-aisnean, a’ dol troimh ’n chuisle mhoir, agus a toirt a bhàis an ceann beagan mhionaidean. An deigh sin ghiulan Mac Rath an corp a mach agus dh’ fhàg e e mu fhichead slat o’n tigh. Cha’n eil na h-eòlaich a’ toirt ach droch chliù air Catherine, agus b’ àbhaist do Phringle a bhi deanamh companach dhe. Tha Mac Rath ’sa theaghlach, cho math ri cuideachd Phringle fo dheagh cliù, agus gle mheasail aig an coimhearsnaich. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 166] [Vol. 4. No. 21. p. 6] Dain Oisein. Tha na h-uile coslas aosmhaireachd air Danaibh Oisein. ’Nuair a dh’inntrinneas daoine ann an comunn is i staid na Sealgaireachd a cheud seorsa cuideachd a chuireas iad suas. An deigh sin thig staid na Buachailleachd, agus a ris staid an Treabhachais no na Tuathanachd; agus an ceathramh staid, staid na Co-mharsandachd. A nise chi gach neach a leughas Dain Oisein gur h-i a’ cheud staid anns an robh esan a lathair: cha’n ’eil ni air feadh a chuid dan ach sealg ud fiadhach. Is cosmhuil gu’n robh staid na Buachailieachd a’ toiseachadh, oir gheibhear iomradh air roinn na treuda ’n uair a dhealaicheas fear agus bean o cheile; ach cha’n ’eil guth sam bith air Tuathanachd no air Co-mharsandachd air feadh nan Dan uile. Faodar a cho-dhunadh o’n ni so gu’n robh Oisein beo ’n uair a bha na Gaidheil a’ toiseachadh ri eolas ’fhaotainn air Buachailleachd agus spreidh. Thachair so mu’n cuairt do thoiseach na coigeamh linn. Aig an àm sin thòisich na Gaidheil ri dealachadh a chur eadar an cuid fein agus cuid an comhearsnaich. Air an am so thoisich iad ri aitean-comhnuidh seasmhach a thogail doibh fein, agus lion iad na tighean mora so le creach nam Breatunnach deas a bha fo chuing nan Romanach. Anns a bhliadhna 426 dh’fhag na Romanaich Breatuinn, agus an sin bha na Breatunnaich ruisgte, gun didean, mar chreich do na Gaidheil. Chuir iad fios a chum nan Romanach air son cobhair, ague, an uair nach b’urrainn do na Romanaich so a dheanamh, chuir iad teachdaireachd a dh-ionnsuidh na Sacsonach sa’ Ghearmailt. Thainig na Sacsonaich a nall gu’n comhnadh, agus phill na Gaidheil dachaidh gu’n tir fein. Thoisich na sin na Scuitich agus na Pictich, an da fhine Gaidhealach air cogadh ri cheile, agus air togail na creach. A nise cha’n ’eil Oisein a deanamh luaidh sam bith air aon de na nithibh so. Uime sin cha’n ’eil e cosmhuil gu’n robh maoin air a roinn, agus a chuid fein aig gach neach r’a lina-san. Uime sin faodar a cho-dhunahd gu reusanta gu’n robh Oisein ann mu’n do thoisich an t-eadar-dhealachadh ann am maoin am measg nan Gaidheal mu thoiseach na cogeamh linne. O na nithibh a chaidh ainmeachadh faodar a chreidsinn gu’n robh Oisein a’ seinn a dhan mu dheireadh na treis no toiseach na ceathramh linne. An t-iomradh a tha e a’ deanamh air na Romanaich cha b’urrainn bard Gaidhealach an deigh an am so a dheanamh le bhi rannsachadh eachdraidh na Roimhe; oir an deigh na linne so bha na Gaidheil cho aineolach agus air fas cho fiadhaich ’s nach robh e comasach dhoibh a leithid a dheanamh idir. Ach, their nerch, ciamar a chaidh na Dain a ghleidheadh air chuimhne, ma rinneadh iad cho trath ris an treas linn? Air tus freagramaid, ’n uair a theid a’ chuis fhagail aig beul-aithris, tha e cheart cho furasda rud a chumail air chuimhne fad da mhile bliadhna, agus a tha e fad da cheud bliadhna. Oir feumaidh an t-athair a theagasg do’n mhac, agus am mac do’n ogha, agus mar sin air adhart agus ’n uair is gnìomh cuimhne a tha ann tha e an t-aon chud cho soirbh do ’n mhac ionnsachadh o athair, cia dhiubh is e ’athair fein a rinn e. no is ann a fhuair esan o shean-athair no o a shin-sean-athair an ni a rinneadh le daoinibh eile an linnibh o chian. Gleidhidh a’ chuimhne an darra ni cho math ris an ni eile. Agus a rithist feumar a thuigsinn gu’n robh a bhard fein aig a’ h-uile Ceann-cinnidh am measg nan Gaidheal, agus gu’m b’i a dhreuchd ghnathaichte a bhi ag athris nan Dan so air beulaobh nan uachdaran, oir bha so taitneach do na cinn-fheadhna, a chionn gu’n robh gach aon dhiubh a’ creidsinn gu’m b’ iad na gaisgich a tha air an ainmeachadh le Oisein an sinnseara fein. Bhà na cinn-fheadhna a’ misneachadh nam bard gus an dain a ghleidheadh air chuimhne le bhi toirt duais do’n neach bu mho a dh’aithriseadh dhiubh. Mar sin bhiodh na baird a’ stri ri cheile a dh’fheuchainn co dhiu bu mho a ghleidheadh air chuimhne de na Danaibh; agus bhiodh amanan suidhichte aca anns am biodh iad ’gan aithris air cuideachd de na cinn-fheadhna. Air an doigh so bha na Dain air an cumail air chuimhne agus leis an tlachd a bha na Gaidheal a’ gabhail annta cha b’ fhurasda leo an leigeil air dio-chuimhne. A thuilleadh air so faodar a thoirt fainear gu’m beil a’ chuimhne moran na’s treise aig an dream sin nach urrainn leughadh no sgriobhadh idir, na tha i aig an dream a tha ag earbsadh ris an treosdain sin gu an cuideachadh. Agus an uair nach robh na baird a deanamh ni sam bith eile fad laithean am beatha ach a’ seinn nan Dan so cha b’urrainn iad an leigeil air chall. Tha so a’ dearbhadh mar an ceudna gur h-i a’ Ghailig a labhair luchd-aitich na tire aig an am ud, oir cha ghabhadh iad gleidheadh air chuimhne ach ann an cainnt an t-sluaigh am measg ann do chuireadh iad ri cheile o thoiseach. D. B. B. Cha’n eil gnothuichean a’ dol dad ni’s fhearr ann an Iompaireachd na Tuirce. Cha’n eil sgrios nan Armenianach a’ sgur, idir agus tha e glé choltach nach eil an Sultan comasach air casg a chur air an obair fhuilteach god bu mhiann leis sin a dheanamh. Tha rioghachd an t-sultain cho crion ’s cho beag taile ’s nach eil ni ga cumail ri chéile ach rioghachdan na Roinn-Eorpa air fad a bhi faicinn iomchuidh a cumail mar sin. Bhiodh e air a thilgeadh bun os cionn o chionn fhada mur biodh gu bheil na rioghachdan uile chinnteach nach còrdadh iad mu roinn na creiche, agus gu’m biodh aca ri dhol troimh chogadh uamhasach mu’n cuireadh iad a’ chuis an darna taobh. Tha fearann na Tuirce anns a chuid a’s fhearr de’n Roinn-Eorpa agus cha bhiodh aon rioghachd deònach fhaicinn ann an lamhan rioghachd sam bith eile. ’Se sin is coireach gu bheil iad uile deònach air an Tuirc fhàgail mar a tha i, ’s gu bheil crith eagal orra roimh dhol ’ga cur as a cheile, agus agus cha’n e gu bheil gradh sam bith aca do’n Turcach fhein no do dhòigh-riaghlaidh. Ach tha moran a deanamh mach nach mair cuisean mar a tha iad moran ni’s fhaide, agus gu’m bi aig na rioghachdan eile ri crioch a chur air Iompaireachd na Tuirce an uine ghèarr a dh’aindeon cho deònach ’sa tha iad air gach olc a thig na lorg sin a sheachnadh. Bha pòsadh ann an eaglais Fhrangach ann am Montreal feasgar Di-màirt s’a chaidh, agus am seadh ’sa bha ’m ministeir a’ deanamh an t-searmon phosaidh, chaidh Tòmas Patton, bràthair-màthar do bhean-na-bainnse, ann an neul. Chaidh a thoirt a mach gu rùm eile agus an ceann beagan mhionaidean, chaochail e. Bha moran sluaigh anns an eaglais air an àm. Cha robh fhios aig a chàraid òig gu robh dad air ach laigse, agus dh’fhalbh iad air a charbad-iaruinn, a ghabhail sgriob do’n Niar-Thuath. Bha Patton tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. Gach fiodh air a bharr ach am fearn as a bhun. [TD 167] [Vol. 4. No. 21. p. 7] Ann an deanamh nan pioban mòra, tha’m fiodh a thatar a cur annta a’ tigh’n á Africa no a Jamaica; tha’n ibhori a tha dol air na duis a tigh’n a Africa; tha’n adharc a tha air a phios beòil a tighinn a Australia; agus an cuilc dhe ’n beilear a deanamh nan rifeidean a tigh’n as an Spain. Cha’n eil ni Gàidhealach timchioll orra ach an craicionn caorach a tha ’sa mhàl, agus a ghaoth a tha’m piobaire cur innte. Bha amadan o shean ann an teaghlach Mhic-Leoid, agus fear eile ann an taghlach Mhic-Dhomhnuill; agus chuir iad an da cheann-fheadhna geall co aige bha’n t-amadan bu ghoraiche. Chuireadh a thrusadh maoraich iad do’n chladach, agus chàireadh bonn oir air cloich ’san traigh ’san robh iad. Mhothaich amadan Mhic-Dhonuill don or: Am faic thu’n t-or? ars’ esan ris an fhear eile. Falbh! ars’ amadan Dhunbheagain, an la bhios sinn ri orach, biomaid ri orach; ach an latha bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach. Tha muinntir bhearteach nan Stàitean air a dhol gu pòsadh air a gheamhradh so. Bha da phòsadh riomhach ann am baile New York a dha no tri sheachduinean air ais, agus air an t-t-seachdain so, bha fear eil’ ann. B’e chàraid air an turus so Harold F. Mac Cormaic, agus Edith, nighean do Iain D. Rockfeller; bhuinidh iad le cheile do Chicago. Tha athair-san glé bhairteach, agus ’se h-athair-se fear dhe na daoine ’s beairtiche ’s a’s fialuidhe tha ’s na Stàitean. Thatar ag radh gu bheil ise na h-oighre air barrachd airgeid ’sa tha aon té eile air an t-saoghal. Bha suil aca am pòsadh a bhi anns an eaglais, agus bha corr us mile air an cuireadh gu bhi lathair. Bha an t-seirbheis gu bhi ni bu riomhaiche ’s na bu mho greadhnachais na gin de chach, ach ’nuair thainig an latha, bha fear-na-bainnse gu tinn, agus b’fheudar sìn uile a leigeadh seachad, agus bha iad air am pòsadh ann an tigh-òsda. Am fear nach freagair athair na mhathair freagraidh an ni is taire, creicionn an laoigh. Am fear a bhios ’s an dig cuiridh a h-uile fear a chas air. An ni chuir an earb air an loch—an eiginn. Duine dur, duine gun tur. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 168] [Vol. 4. No. 21. p. 8] ORAN GAOIL. LE IAIN DOMHNALLACH. B’ og ’bha mis’ is Mari ’M fasichean Ghlinn-Smeoil, Nuair ’chuir macan Bhenuis Saighead gheur ’am fheoil. Tharruinn sinn ri ’cheile Ann an eud cho beo. ’S nach robh air an t-saoghal A thug gaol cho mor. LUINNEAG. Ho, mo Mhari laghach, ’S tu mo Mari bhinn; Ho, mo Mhari laghach, ’S tu mo Mhari ghrinn; Ho, mo Mhari laghach, ’S tu mo Mhari bhinn; ’Mhari bhoidheach, lurach, ’Rugadh ann sna glinn. ’S tric ’bha mis’ is Mari ’Falbh nam fàsach fial, Gun smaointinn air fal-bheirt, Gun chail gu droch ghniomh; Cupid ga n-ar taladh Ann an cairdeas dian; ’S barr nan craobh mar sgail dhuinn, Nuair a b’ aird’ a ghrian. Ged bu leamsa Alb’, A h-airgiod is a maoin, Ciamar ’bhithinn sona, Gun do chomunn gaoil. B’ annsa ’bhi gad phòsadh Le deagh choir dhomh fein, Na ged gheibhinn storas Na Roinn-Eorp’ gu leir. Tha do bhroilleach soluis Lan de shonas graidh; Uchd a’s gille ’shealas Na ’n eal’ air an t-snamh. Tha do mhin shlios fallain Mar chanach a chair; Muineal mar an fhaoilean Fo ’n aodunn a’s aillt’. Tha t’ fhalt bachlach, dualach, Mu do chluais a fas; Thug nadar gach buaidh dha Thar gach gruag a bha. Cha n-fheil dragh no tuairgne ’Na chur ’suas gach la; Chas gach ciabh mu ’n cuairt dheth ’Se na dhuail gu ’bharr. Tha do chailc-dheud snaidhte Mar shneachda nan ard; T’ anail mar an caineal, Beul bho ’m banail failt; Gruaidh air dhreach an t-siris, Min raisg chionalt’, thlath; Mala chaol gun ghruaman, Gnuis gheal ’s cuach fhalt ban. Thug ar n-uabhar barr, Air aigheas righrean mor’; B’ iad ar leaba stata Duilleach ’s barr an fheoir; Flurichean an fhasich ’Toirt dhuinn cail is treoir, Is sruthain ghlan nan ardibh ’Chuireadh slaint ’s gach por. Cha robh inneal-ciuil A thuradh riamh fo ’n ghrein, ’Dh’ aithriseadh air choir Gach ceol ’bhiodh againn fein. Uiseag air gach lonan, Smeorach air gach geig, Cuthag is gug-gug aic’ Maduinn chubhridh Cheit’. ORAN D’A LEANNAN. LE DOMHNULL DOMHNULLACH. O, ciamar ’s urrinn mi bhi beo, ’S cho mor ’s a thug mi speis dhuit? No ciamar dh’ fhaodas mi bhi stoilt’ Is gun mo choir air t’ fheudinn? Ged fhaighinn airgiod na Roinn-Eorpa Agus or na h-Eiphait, Cha chumadh sin mi ’suas car uair’ Is tu bhi bhuam gun sgeul ort. Ma’s e ’s gun d’ chuir thu rium do chul ’S tu ann an duil mo threigsinn, Gus an cuir iad mi ’san uir Cha deanar turn ’ad dheidh leam. Ciamar dh’ fhaodas mi bhi saor ’S nach dean an saoghal feum dhomh; Mo chridh’ fo smalan le do ghaol, ’S gun duil a chaoidh ri t’ fheudinn. Tha gaol nam boirionnach o’n oige Mar an ceo ’sa cheitein: Laighidh e ri madinn dhriuchd A bhan cho dluth ’s nach leir dhuinn. Chi mi ’n t-adhar leis ’s na beanntan ’Dol an ceann a cheile; Ach sgaoilidh e ri uin’ ro ghearr Gun fhios cia ’n t-ait an deid e. Chan fheil mo chadal domh ach ciuirt’, ’S cha n-fheil mo dhuisg ach cianail; Cha n-fheil an obir dhomh ach cradh, ’S cha n-fheirrde mi bhi diamhain. Cha dean laighe dhomh ach creuchdan ’S cha doir eirigh dhiom iad; Cha doir asdar mi gu slàint’; ’S cha n-fhasa tamh no gniomh dhomh. SMEORACH NAN LEODACH. LE DOMHNALL NAN OBAN. LUINNEAG, Uilibh i na i ri u o, Uilibh u na u ri u o, ’S smeorach mise mach o’n tur a’s Gleodhrach cuirn mu ’bhuird le feusda. ’S mise smeorach òg a ghrinnis Sheinneas ceol mar òrgan milis; Feadan ordail fo mo ribheid, ’S fead mo mheoir air comhradh fileant’. ’S mear mo ghreann a danns’ air crannaig, Breabadh bhonn le fonn gun ainnis, Bleith nan toll ’s gach trannsa darais, Mealladh rann o cheann mhic-talla. Seinneam fonnmhor, pongail, m’ ealain, Air a chom nach trom mar eallach; Cha dig tonn mu bhonn mo thalla, ’Ni mo chall no ganntas m’ arain. Taghail aig D. J. Domhnullach, agns faic na brògan agus na cleòcannan bèin a th’aige ri chreic. Tha na cleòcannan gu teirgsinn. Gheobhair deagh bhargain aige daonnan. C. H. HARRINGTON & CO Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 169] [Vol. 4. No. 22. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 7, 1895. No. 22. Litir a Lunnainn. FHIR-DEASACHAIDH,—Dh’innis mi dhuibh cheana gu’n robh an class Gàidhlig a th’againn anns a’ bhaile so gu bhi air a chumail am bliadhna an Oil-thigh an Righ. Aig a’ chiad choinneamh bha cruinneachadh eireachdail againn agus am Marcus Tillibardine anns a’ chathair. Thug an duine-uasail òg so òraid ghasda seachad anns an do sheall e dhuinn cho amaideach ’sa tha e ’bhi deanamh tàire air ar cainnt mhàthaireil. Dh’ innis e dhuinn gu’m beil e ’na riaghailt air oighreachd ’athair—an Duic Athollach—gu’m feum na h-uile sairbhiseach a th’air an oighreachd a bhi comasach air a’ Ghàidhlig a labhairt. Air da féin a bhi aon la dol do’n mhonadh a shealg agus cuid de dhaoine còmhla ris thachair gu’n do ruith balach beag—mac fear de na daoine—’nan deigh. Thionndaidh ’athair ri a’ bhalach agus thug e òrdugh dha anns a’ Bheurla dol air ais gu ’mhathair. “Nis,” ars am Marcuis ris an duine so, “ma tha dùil agad gu’n lean do mhac thu do’n mhonadh ’nuair a dh’fhàsas e suas tha thu fad am mearachd, ma’s i sin a chainnt anns am beil thu ’ga thogail.” ’Nuair a chuala mi an sgeula beag so cha b’urrainn domh gun a bhi smuaineachadh air urrad ’sa dh’fhaodadh uachdaranan na Gàidhealtachd a’ dheanamh airson na Gàidhlig nan robh an leithid so de riaghailt aca air na h-uile oighreachd. Ach ciamar a dh’fhaodas so a bhi ’nuair a tha àireamh cho mor de na h-oighreachdan sin a nis an làmhan Ghall agus Shasunnach, muinntir nach caill cothrom air na’s urrainn daibh a dheanamh gu cur as duinn féin agus do air cainnt. ’Se so a tha ’ga dheanamh ’na ni cho taitneach aon de sheann teaghlaichean ar tire fhaicinn a cumail suas cuis na Gàidhlig. Gheall am Marcus duaisean a thoirt do na sgoilearan a b’fhearr a thigeadh air an aghaidh leis a’ chaint agus tha e féin gu bhi tighinn a dh’ ionnsaidh a’ chlass cho tric ’sa bhios sin ’na chomas. CABAR-FEIDH. 23, 11, ’95. Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH,—Gabhaidh sibh mo leisgeul air an àm so ma bhitheas mo litir car mi-òrdail, oir bha mi fua’sach dona leis an déideadh bho cheann beagan lathaichean. ’S an-shocair e a dh’fhàgas duine anabarrach crosta. Thuirt aon rium, “’S fada do thinneas bho d’chridhe!” ach ’se bha mearachdach; ’se ruigeas cridhe duine, ged is beag truas a gheobh e bho dhuine nach d’ fhairich riamh gu de cho goirt ’sa tha e. Cha d’thug Robert Burns droch ainm air idir nuair a thuirt e gu’m b’e “donas gach tinneis e.” Tha’n geamhradh air tighinn òirnn a nis; tha gleadhraich nan clag air na h-eich ri ’chluinntinn bho cheann beagan lathaichean. Tha mu leth-troigh de shneachda againn, agus bha e gle fhuar oidhche no dha air an t-seachdain so; bha iad ag ràdh gu robh e fo Zero 10°. Ma bha, nach truagh sinn mu’n teid Februaridh seachad. Tha na timeannan dol a bhi gle chruaidh air a gheamhradh so. Tha airgead duilich fhaotainn, ged tha cuid aig am beil gu leòir dheth. Nam biodh e air a roinn gu math, tha gu leòir ann do gach duine, ach cha’n ann mar sin a tha; an neach a tha bochd biodh e bochd a ghnàth, agus an neach a tha saoibhir, theid aig air tuilleadh a chur ri shaoibhreas, agus bidh e uaireannan a’ deanamh bòsd as. Ach nuair thig an t-àm gus an tigh talmhaidh a leigeadh sios, tha de thoileachadh aig an duine bhochd gu faod a shaoibhreas a bhi cho mor ri saoibhreas an fhir a bha ’deanamh tàire air. Bha mi uair a’ cainnt ri seann duine beairteach mios mu’n do chaochail e. Bha e na shuidhe agus dùn mòr de phaipearan fa chomhair a b’fhiach na miltean pùnnd. Ars’ esan, “Nach math dhòmhsa so a bhi agam an diugh.” Mo thruaighe! mur robh aige ach paipearan. Chaochail Alasdair Brown, fear-oifig a phosta anns a bhaile so, air an t-seachdain a chaidh seachad. Bha e ’na dhuine bha measail, agus a threòraicheadh gach aon air an t-shlighe cheart. Rugadh e ann an eilean Mhuile; thainig e do Chanada bho chionn faisg air leth-cheud bliadhna. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’aois nuair a chaochail e. Chaochail gille òg an t-seachdain roimhe sin, Domhnull Camaran, fichead bliadhna dh’aois. Bha dùil aig ’athair gu’m biodh e ’na thaice dha ’na sheann aois, ach am bàs gun truas, thug e leis e, am mac a b’òige bh’aige. Dh’adhlaic e còignear d’a theaghlach roimh ’n fhear so. Chaochail Màiri Dhòmhnullach, nighean do Challum òg Domhnullach bho cheann tri latha, aois sheachd bliadhn’ deug. Chaidh a chas a thoirt dhith bho cheann bliadhna leis a chansar, agus bha i ’dol na b’fhearr car ùine, ach an deigh sin bhris e mach air a feadh agus thug e a bàs. Bhaist an t-Urr. Domhnull Mac-Leòid i beagan lathaichean mu’n do chaochail i. Tha comanachadh ri bhi anns an eaglais Chléireach againn an so Di-Dómhnaich s’a tighinn, anns a’ Ghàilig; seachdhin an deigh sin bidh e againn anns an eaglais cheudna ’sa Bheurla. Bha an tide gu math stoirmeil againn an so toiseach na seachdain; tha e coltach ri aiteamh a nis, agus “mar sin bitheadh e,” oir tha cuid dona chion uisge. Tha mi ’smaoineachadh gu’n do sgriobh mi gu leòr de’n t-seorsa th’ ann, agus sguiridh mi, ach geallaidh mi ma bhios mi gu math, gu’n sgriobh mi an ùine ghearr a rithist. Ur caraid, IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Ont., 25, 11, ’95. Cha robh cam nach robh crosda. Bha call ni’s mo an Culodair. Geugan air aich’, breunan nam fear [TD 170] [Vol. 4. No. 22. p. 2] ORAID A liubhair an t-Ollamh Niall Mac-na-h-Innse, ann an Lochiall, Ontario. FHIR NA CATHRACH AGUS A CHAIRDEAN GAIDHEALACH:—Tha cuig bliadhna fichead o’n a chuir mi eòlas air Lochiall, agus air na Gàidheil a tha ’chomhnuidh anns a’ bhaile so. An uair a bha mi glé òg, chuala mi iomradh cliùiteach agus gasda air Gàidheil Lochiall, agus air an dàimh agus an dilseachd a bha agus a tha iad a’ nochdadh do’n Ghàilig, no do’n chainnt a labhair Fionn agus Oisean anns na bliadhnachan a dh’ aom. Is e mo bheachd nach eil ann an cearna air bith de Chanada, baile eile cosmhuil ri Lochiall anns am bheil cainnt agus àbhaistean nan Gàidheal air an altrum cho dileas, cho foghainteach, agus cho meamnach. Bha duilgheas mòr orm nach robh e ann mo chomas a bhi làthair leibh bho cheann miosa no dha, an trath a bha sibh le eud us dealas urramach us togarrach agus càirdeil a’ gleidheadh cuimhne air na Gàidheil easgaidh, ghaisgeil, agus churanta, a thòisich air tuineachadh a dheanamh anns a bhaile so o cheann ceud bliadhna. Tha ceud bliadhna, anns an dùthaich òg ùr so co-dhiu, a’ ciallachadh moran aimsir, moran dichill, moran deanadais, moran tapaidh, moran aghartais, agus moran gaisge, agus mar an ceudna moran stri agus toileachais. Tha sinn cruinn an nochd anns an ionad so airson clach-chuimhne no leac-lighe nochdadh na fhoillseachadh do’n t-saoghal gu lèir—clach-chuimhne bhòidheach, shnasmhor, a bheir a nuas bho cheann tri ginealaich àilleachd us beusan us stuaim, us caoimhneas, us simplidheachd nan Gàidheal a thàinig air tùs do Lochiall agus a leag na craobhan agus a rinn àiteachadh anns a’ bhaile so ’tha ’nis cho ainmeil agus cho pròiseil. Cuireamaid air an ais ar smuaintean, agus ar n-aignean gus an àm anns an d’ fhàg na Gàidheil a thàinig gu Lochiall tir an dùthchais, “tir nan gleann ’s nam beann ’s nam breacan.” Is iomadh tapadh ’us euchd agus gniomh duineil, iomraiteach, a rinn Gàidheil Inbhirnis anns na bliadhnachan a dh’ aom. An deigh blàr Chuil-fhodair, thàinig caochladh mor agus muladach air cor us suidheachadh nan Gàidheal ann an dùthaich an fhraoich. Nochd na Sasunnaich, an deigh dhaibh buaidh fhaotainn aig Cùil-fhodair, uamhas brùidealachd. Is gann a bhitheadh e comasach do mhadadh-alluidh na macharach agus nan cosan uaigneach, tuille aingidheachd agus nimhe ’nochdadh agus a chuir an gniomh, na rinn an Diùc mosach cruaidh-chridheach Chumberland agus na ceannardan baoghalta bha maille ris, an tràth a chaidh am blàr agus an latha an aghaidh Thearlaich agus na fineachan Gàidhealach a dh’ éirich leis. Cha’n eil ioghnadh air bith orm féin gu bheil fathast anns an dùthaich so agus ann an tir ar n-aithrichean moran meas us mùirn air fhadadh suas an uair a tha eachdraidh Theárlaich fa chomhair inntinnean nan Gàidheal. Cha robh Tearlach gun mheang no gun choire. Bha e ceann-làidir agus breun aig iomadh àm. Gidheadh an uair a chaidh an latha gu cianail agus gu muladach ’na aghaidh, bu chòir do na Sasunnaich fhéineil fhuar-chridheach caoimhneas us carthannachd a nochdadh do na Gàidheil, a bha dileas, cinnteach, seasmhach, agus eudmhor air taobh nan Stiùbhartach, righrean laghail na h-Alba, le ’cnoic us le ’srathan us le ’còmhnardan. Mo nàire gu bràth an t-saoghail agus anns gach ceàrna ’sam bheil Gàidheil a’ gabhail còmhnuidh, air Diùc Chumberland agus air a chreachadairean airm, a bha ro-ullamh air ’iarrtuisean gun iochd, gun toinisg, gun cheartas, a chur an gniomh. Bitheadh an ainm ’s an cliù air feadh gach àl us linn fo mhasladh, fo sgàile dorcha, mosach, fo fhuath us mi-rùn gach duine us bean aig am bheil meas air tròcair agus air nithean ceart us gràsmhor. An uair a thòisich an “Teachdaire Gàidhealach” air dol air feadh nan gleann ’s nan srathan anns a Ghàidhealtachd, thubhairt neach, mar tha ’n Gàidheal flathail, àrd-inntinneach, blàth-chridheach, ag innseadh dhuinn, Tormaid Mac Leòid, “Caraid nan Gàidheal,”—esan a sgriobh a’ Ghaelig a’s fearr a’s pongaile, agus a’s snasmhoire a chaidh a sgriobhadh riamh;—thubhairt Gàidheal aig an robh cuimhne gheur air droch chomhluadar Chumberland agus a chuid cheannardan us shaighdearan: “Ma’s aithne dhuit co a tha ’deasachadh an Teachdaire Ghàidhealaich, leig fios d’ an ionnsuidh ma thòisicheas iad air smàdadh Thearlaich us na dh’ éirich leis’ nach ruig iad a leas tighinn an taobh so le ’n teachdairiachd.” Ma dh’ fhaoidte nach bitheadh e comasach barrachd eucoir us geur-leanmhuinn a chàramh air na Gàidheil thruagh na chaidh a chàramh orra, ged nach bitheadh annta ach Innseanaich na h-àirde ’n ear, no na h-àirde ’n iar, no fineachan fiadhaich, iargalta, fhuileachdach ann am meadhon Africa. Tha mo charaid, Mac-an-Aba ’g innseadh domh gur ann bho Chnòdard, bho Ghleann-eilg, bho Lochabair, agus bho Pheart a thàinig na Gàidheil a rinn tuineachadh air tùs anns a’ bhaile so, agus aig an robh a cheud eòlas air na frithean ’s air na craobhan àrda, tiugha, lionmhor, a bha anns an dùthaich so ré iomadh linn mu ’n d’ thàinig na Sasunnaich riamh thar a chuain. Faodaidh sinn a bhi gle chinnteach gur ann le mulad trom agus le cridheachhn airsneulach, deurach, a dh’ fhàg na Gàidheil air am bheil mi deanamh iomraidh, na glinn, na h-aonaichean, na srathan, agus na comhnardan anns an d’rugadh iad; anns an do chaith an aithrichean an làithean, agus anns am bu mhiann leo féin an làithean a chaitheamh, agus fadheòidh, an uair a thigeadh crioch air an treòir ’s alr am bliadhnachan; a bhi air an tasgadh ann an suaimhneas neo bhriste ’bhàis anns an uaigh far an robh, agus far am bheil na daoine bho’n d’ thainig iad ré iomadh linn, tosdach ann an sàmhchair chiùin us thiamhaidh a bhàis. Phlanntaich Dia ’na mhor chaoimhneas gràdh domhainn, dileas, dùrachdach ann an cridhe gach neach a tha ’n diugh air uachdar an t-saoghail. An uair a thug na Gaidheil a dh’ àitich Lochiall, bho cheann ceud bliadhna, an aghaidh ris a chuan fharsuing, bheucach, ghluasadach, agus a dh’ fhàg iad beannachd mhuladach, chràiteach, leis gach sliabh us comhnard, leis gach gleann us dachaidh, air an robh iad min-eòlach, agus leis an Eaglais anns am b’ àbhaist daibh a bhi ’deanamh aoraidh do’n Dia a’s Tighearna ann; gun teagamh bha iad gle bhrònach am feadh a bha iad a’ gabhail an t-seallaidh mu dheireadh air cnoic àrda na Gàidhealtachd, agus iad a nis anns an long air bràighe ’chuain, agus am measg nan tonnan àrda beucach agus luasganach. An uair a rainig na Gàidheil threubhach, ghasda, mhor-chuiseach ud Cuebec, an deigh moran trioblaid anns a’ chuan stuadhach, cha robh ni air thoiseach orra bheireadh neart no toileachadh no misneach dhaibh. Cha robh long le ’bréidean geala, an sin am broilleach na h-aimhne àillidh agus iomraitich a bhuineas do Chanada, cha chuala neach air bith luaidh [TD 171] [Vol. 4. No. 22. p. 3] thall no bhos air bàta na smùide no air an each iaruinn. Is ann le dragh mor mata, a thàinig na Gàidheil bho Chuebec gus a’ bhaile so, anns an do leig an campa, agus anns an do thòisich iad air obair dhuilich chruaidh a dheanamh. Is ann am measg an fhraoich a rugadh mi féin ann an Earraghàidheal. Is e fior-fhuil nan Gàidheal a tha blàthachadh mo chridhe, ’sa tha ’ruith ann mo chuislean, agus cha’n eil e comasach gu’n tugadh ni air bith fo ’n ghréin uiread tlachd us bòsd us sonais us toileachadh dhomh, agus a tha agam gach uair do bhrigh gur Gàidheal fior, glrn, a tha annam agus gur ann bho na Gàidheil aghartach, churanta, thàinig mi. Bha mi glé òg an uair a thog m’ athair, mo mhàthair agus moran de mo chàirdean anns an àm, long, agus a thug iad an cuan mor farsuing orra. Is math mo chuimhne air an doilgheas agus air a bhròn a nochd na Gàidheil a bha anns an long, am feadh a bha ghrian a’ dol fodha, ’s ag òradh mullach nam beann Gàidhealach, nach fhaiceadh na Gàidheil bhlàth-chridheach gu bràth tuilleadh. Gun teagamh air bith, nochd na Gàidheil a thàinig do’n bhaile so, mu’n do leagadh craobh, agus mu’n deachaidh rathad beag no mor, bochd no beairteach, a dheanamh ann, moran treubhantais, moran dòchais, agus creidimh nach robh aon chuid fann no faoin. Tha eagal orm nach eil ach fios us mothachadh glé shuarach aig an linn a tha ’nis a làthair air gach cruadal agus spàirn us saothair draghail a b’ éigin do na daoine ’s do na mnathan a dheanamh, a thòisich air àite còmhnuidh a dheasachadh daibh féin ’s d’ an clann anns a’ bhaile so. Tha sinn an Canada aig an àm so, am bitheantas a deanamh luaidh le gàirdeachas us le greadhnachas air na gniomharan mora ’s euchdach a rinn sinn. Tha eagal mor orm gu bheil sinn a leigeil ann an dichuimhne na seirbheis chruaidh, dheuchainneach, agus na gniomharan gaisgeil, mora, ’rinn na Gàidheil anns an dùthaich so, bho’n chuan fharsuing, dhomhain, air taobh an ear Chanada, gus a chuan leathann shàmhach a tha air taobh an iar ar tir. Gun teagamh air bith, re na tri ginealaich a chaidh seachad o’n thàinig a cheud Ghàidheal do ’n bhaile so, is iomadh balach us caileag làidir fhallain a rugadh agus a thogadh ann an Lochiall. Is iomadh athair agus màthair dhileas, laghach, a rinn gach dichioll a b’ urrainn iad airson cothrom math a thoirt d’ an chlann fóghlum iomchuidh fhaotainn agus àite measail, àrd, a chosnadh anns gach inbh’ tha urramach agus feumail ann an Canada. Agus an uair a ghabhas sinn beachd air an liuthad Gàidheal macanta, mùirneach, meamnach, a thog Gleann-garaidh, agus a dh’ fhalbh o’n t-sioramachd so, ’sa choisinn cliù dha féin agus d’a dhaoine ann an iomadh innleachd us seirbheis us oidhearp dhuineil dheuchainneach, tha mi gle chinnteach nach eil àireamh nan Gàidheal ud aon chuid beag no faoin a rugadh anns a’ bhaile so ’sa fhuair an àrach am measg nan Gàidheal a tha nis ann an suain a bhàis mu thimchioll na h-eaglais so féin. Moladh gach fine na daoine làmhach, onarach, beusach, a bhuineas daibh féin ann an eachdraidh Chanada. Molaidh sinne mar is cubhaibh dhuinn, agus mar tha deagh aobhar againn, na ceatharnaich Ghàidhealach, na suinn chalma, ghleusda, threubhach, a rinn cho duilich agus a chleachd spionnadh agus gliocas cho sùrdail, deanadach, ann an gearradh frithean garbha Chanada, agus ann an neart iongatach a thoirt do gach ceàird us innleachd, a thug treise do’n t-sruth mhòrail, thormanach a tha nise cho làn agus luchdaichte le eòlas, le dichioll, le feartan lionmhor agus le beartas us comhfhurtachd nach eil gann no suarach re na roinnean lionmhor, torach, gniomhach, a tha le ’chéile ’deanamh suas Rioghachd eireachdail agus àluinn Chanada. Is iomadh grian a dh’ éirich agus a chaidh fodha anns an iar, on bha Fionn us Oisein agus an Fhéinn a làthair agus sona us buadhmhor ann an tir an fhraoich ’s nan sonn ’s nan sruth aoibhneach, gàireach, fonnmhor mor. Thug Gàidheil a bhaile so ’tha nis gu bràth tosdach fo’n fhòd ghorm anns an uaigh géill ullamh, thàbhachdach do chomhairle aosmhor na Feinne: “Bithidh tu treun air tùs na teugmhoil Is e cliù gach neach a cheud iomradh.” Is tlachdmhor da rireadh leamsa a bhi làthair an so an nochd agus a bhi ’faicinn air mo shon fèin, gu bheil clann ghràdhach nan tri ginealaich a bha ’sa tha dlùth-cheangailte ri Lochiall, a dearbhadh leis a chlach chuimhne no leis an leac-lighe, ’tha air a suidheachadh anns an eaglais so, agus a chi sibh ann an ùine gheàrr, gu bheil iad umhail do bhriathran glic us bòidheach na Féinne, “Lean gu dlùth ri cliù do shinnsear ’s na diobair a bhi mar bha iadsan.” Thig do gach aon againn ùmhlachd a thoirt gu toileach do’n àithne tha ’g iarraidh oirnn urram a thoirt do’r n-athair agus do’r màthair. Is math a chreideas mi gu bheil Gàidheil Lochiall a chuir a’ chlach chuimhne so ann an uidhean cho grinn agus cho snasmhor, a’ faireachduinn gur ann a tha iad a’ tabhairt onair mhor doibh féin am feadh a tha iad le dealas agus dùrachd fiachail, a’ dearbhadh gu bheil tlus us bàigh làidir aca ris na Gàidheil on d’ thàinig iad, agus gu bheil tlachd ro mhor aca ann a bhi gleidheadh gu bràth air chuimhne, beusan us gniomharan, caoimhneas us dichioll nan aithrichean ’s nam màthraichean Gàidhealach a ruith an réis ann an Lochiall agus a dh’ fhàg dileab luachmhor d’ an clann ann a bhi ’cur impidh orra, iad a bhi ciùin, onarach, firinneach, dileas, a toirt daonnan aoraidh us urraim sònruichte do Dhia nan gràs ’s d’a mhac Iosa Criosd, Slànuihhear an t-saoghail. Tha a h-uile aon againn le cridhe carthannach, bàigheil, a’ gleidheadh cuimhne air na càirdean dàimheil blath-chridheach, a bhuineadh dhuinn, agus a tha nis ann an dùthaich chian us dhuaichni a’ bhàis. Is tric, is gle thric, a tha na càirdean a tha marbh, anns na smuaintean againne. Is glé thric a tha sinn ann an uaigneas ar cridheachan féin a’ gabhail beachd orra ’sa’ sineadh a mach gràidh us furain d’ an ionnsuidh. Tha sinn uile ’creidsinn le dùrachd sònruichte gu bheil ar càirdean a gabhail cuimhne oirnn, agus ged nach fhaic sinn iadsan, gu bheil iad do ghnàth min-eòlach òirnne, agus toilichte ann an tomhas anabarrach an uair a tha sinne treibhdhireach agus iriosal ann an làthair Dhia, agus geamhnuidh, stuama, measarra, ann ar caithe-beatha ’s ann ar giulan. (Ri leantuinn.) Nuair a bhios am pobull dall, ni ’n gille cam ministear. Toiseach na coille ’s deireadh na h-aibhne. Ciall a thogas teine, a’s rian a chumas baile. Din na comhairle, g’a toirt far nach gabhair i. Gille gun bhiadh gun tuarasdal, cha bhi e uair gun mhaighstir. [TD 172] [Vol. 4. No. 22. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DECEMBER 7, 1895. Shaoileadh neach an deigh dha bhi leughadh eachdraidh Blàr Allt a’ (mar tha i air a sgriobhadh anns a’ Bheurla) nach rcbh na Gàidheil an lathair aig a’ chath ghlòirmhor sin idir, agus gu’m b’iad na Goill a mhàin a sheas an aghaidh nan Sasunnach air an latha ud; ach cha b’ann mar sin a bha a’ chùis idir. Bha fichead ceann-fheadhna nam fineachan Gàidhealach còmhla ri Brus, agus cha ruig sinn a leas a ràdh gu’n robh am fir-cinnidh an làthair mar an ceudna; is iad so an ainmean:—Na Dòmhnullaich, Clann Mhic Aoidh, Clann an Tòisich, Na Camshronaich, Clann Mhic Coinnich, Clann Mhuirich, Clann Ghriogor, Na Caimbeulaich, Na Cataich, Na Granntaich, Clann Donnachaidh, Na Rothaich, Na Druimnich, Clann Mhic Phàrlain, Clann Mhic-na-Ceàrdaich, Na Friseilich, Clann ’Illeathan, Na Ròsaich agus Clann Mhic Ghuairidh. Bha mòran Ghaidheal eile a bha ’nan dlùth chàirdean do Bhrus, agus cha-n ’eil teagamh ann nach robh iad an sin cuideachd, ged nach ’eil iad air an ainmeachadh. Cha b’e Rabairt Brus an t-aon righ Albannach a b’urrainn a radh, mar thuirt an Salmadair, “Togaidh mi mo shùilean chum nam beann, o’n tig mo chabhair.” Faodaidh sinn a ràdh gu’n robh na h-Albannaich gu léir ’nan Gàidheil, oir cha bu mhòr àireamh an t-sluaigh anns a Ghalldachd aig an robh cànain sam bith eil ach a Ghaidhlig ré na linne sin agus ré mòran linntean an deigh sin; bha i air a labhairt le luchd-àiteachaidh cearnan iomallach Siorramachd Inbhir Air anns a’ bhliadhna 1677 agus ann an siorramachdan Chinrois agus Uigton mòran bhliadhnachan an deigh sin. Anns a’ bhuidheann a bha fo chùram Righ Rabairt e féin, mar chùl-earalas, aig a’ chath ainmeil sin, bha Clann Domhnuill, agus na h-Eileanaich uile a lean Anghus Og, na fineachan bho Earraghàidheal, agus na Ghall-Gàidheil bho oighreachd Bhruis ann an siorramachd Inbhir Air. A nis, mur b’ urrainn do’n righ labhairt riu-san anns a’ Ghaidhlig is cinnteach nach b’ urrainn daibh aon fhacal a thubhairt e a thuigsinn. Ach is e a’s coltaiche gu’n robh “cànain mhilis nam beann” aig deadh Righ Raibairt, a chionn nuair a chuir na Sasunnaich an ruaig air, càit an deachaidh e ach do’n Ghàidhealtachd no do dh’Eirinn, agus is coltach gu’n do dh-ionnsaich e a’ Ghàidhlig an sud, mur robh i aige roimhe. Cha robh ard-uaislean nan Gall cho lionmhor am measg feachd nan Albannach agus bu chòir dhaibh a bhi, a chionn bha eagal air a’ chuid bu mho dhiubh gu’n cailleadh iad an cuid oighreachdan, nan seasadh iad an aghaidh nan Sasunnach, agus nam bitheadh buaidh le Righ Iomhar agus mar sin cha d’thàinig aon chuid iad féin no na daoine aca dh’ionnsuidh Bhruis gus an do chuir e an ruaig air na Sasunnaich. Gun teagamh rinn na Gaidheil an dleasnas air an latha chliùiteach ud mar a rinn iad iomadh uair eile, nuair a bha Albainn na h-éiginn, agus ciod i an duais a fhuair iad airson an gràidh dùthcha? Taighean rùisgte agus làraichean lom, agus iad féin a bhi air an sgapadh feadh an t-saoghail. Tha dùthaich an sinnsear na fàsaich fhiadhaich air an latha an diugh, agus faodaidh sinn a ràdh mu’n deibhinn-san mar a thuirt am fàidh Isaiah mu na h-Iùdhaich, “Tha bhur tir fàs, tha bhur bailtean air an losgadh le teine; bhur fearann, tha coigrich ’ga itheadh suas ’nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gu’m bitheadh e air a sgrios le sluagh coimheach.” Na caith gus an coisinn thu. Caomhain chum comas toirt seachad a bhi agad. Saothairich chum gu’m faigh thu nithe a bhuilicheas tu chum maith dhuit fhein agus do mhuinntir eile. Is deagh riaghailtean iad so do na h-uile, agus is dubh dhoibh-san an la air an cuir iad cul riutha. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 173] [Vol. 4. No. 22. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh sia cinn chruidh a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Ball’s Creek, aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bhuineadh iad do Uilleam Jefferson. Bha teine mor ann am baile Amherst, N.S. Di-luain ’sa chaidh, leis ’n do loisgeadh fiach fichead mile dolair. Cha robh ach mu leth na suime sin de dh’ airgead urrais air na chailleadh. Tha’n eaglais ùr Chléireach a bhatar a’ togail ann an Glace Bay, a nise ullamh, agus tha i ri bhi air a fosgladh am màireach. Bi’dh an t-Urr. Dr. Robertson, ceann-suidhe Ard-Sheanadh na h-Eaglais, air ceann na seirbheis, agus bi’dh sianar no seachdnar de mhinistearan na Cléire ’ga chuideachadh. Thachair sgiorradh neònach do ghille beag le Hammond Moffatt ann an Sidni Tuath an la roimhe. Bha e ’cleasachd le pios de chas cuipe, agus air dha tuiteam, chaidh i sàs ’na mhuineal, a deanamh lot grànda. Thachair so dha Di-sathairne agus chaochail e ’sa mhaduinn Di-ciaduinn. Cha robh e ach sia bliadhna dh’ aois. Fhuair triùir dhaoine ann am Mabou, uaireadair airgeid am fear bho Riaghladh Chanada, o chionn ghoirid, air son am beatha shàbhaladh do àireamh sheòladairean air cladach Inbhirnis, a bhliadhna ’n fhoghair s’a chaidh. ’S Gàidheil an triùir, agus ’s e ’n ainmean, Iain Domhnullach, Alasdair Domhnullach, agus Iain MacGuaire. Tha a chuideachd a bha ’dol a dheanamh an rathaid iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove ann an trioblaid aig an àm so. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil, Iain MacKeen, A. C. Ross, agus feadhain eile an deigh an cur dh’an lagh ge b’e dè a thainig eatorra. Tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a theid dhaibh, ach ’se ’s dòcha nach leigear a leas guth a thoirt air an rathad iaruinn a cheud-threis. Tha an t-Urr. Calum Mac Leòid, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean air a shuidheachadh mar mhinistear aig Ceap Nór, an deigh gairm a ghabhail gu Baile-nan-Gall. Tha sinn duilich gu bheil muinntir Cheap Nòr a’ call aodhaire cho math, agus ris am bheil iad cho ceangailte, ach esan a tha iadsan a call tha muinntir Bhaile-nan-Gall a’ faotainn. Tha sinn an dòchas gu’m bi soirbheachadh math le Mr. Mac Leòid anns an sgireachd dh’am beil e air ùr thighinn. Cha’n eil teagamh nach toir an Amhuinn Mheadhonach an t-urram bho gach àite eile a thaobh tapachd a seann daoine. Afr latha taghadh nan comhairleach o chionn che’-la-deug, chaidh fear Aonghas Caimbeul, aois cheud bliadhna ’sa h-aon, a mhuinntir na h-Aimhne, astar chòig mile dh’ ionnsuidh an àit anns an robh iad a bhòtadh. Tha còrr us ceithir fichead bliadhna o’n thog e fearann air an Amhuinn; b’e fear de’n cheud fheadhain a thainig g’a h-ionnsuidh. Bu cheaird dha an t-saoirsneachd, agus tha e fhathast cho tapainh ri iomadh fear nach fhaca leth a làithsan. Rainig soitheach a mhuinntir Nobha Scotia baile Liverpool, an Sasuinn, an la roimhe, an deigh dhi tigh’n direach á Sidni, an Australia. Thug i ceud ’s tri fichead ’s tri latha deug air a turus. Bha glé fhaisg air muillein dolair de dh’ airgead-urrais orre fhéin ’s air a luchd. Theid aig soitheach smùide air an t-astar a dheanamh ann an deich latha fichead. Iadsan a Phaigh Calum MacGill-fhaollain. St. George’s, E. P. I. Domhnull Mac Gill-fhaollain, St. George’s, E. P. I. Eobhon Mac Gill-fhaollain, St. George’s, E. P. I. An t-Urr. I. C. Mac’Illemhaoil, Cardigan, E. P. I. Dr. G. Gillios, Dundas, (50c) E. P. I. Murcha Mac Leòid, Valleyfield, E. P. I. I. D. Mac Leòid, Valleyfield, E. P. I. An t-Urr. Ruairi Mac Gilleain, Valleyfield, E. P. I. Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I. Domhnull Mathanach, Piopolis, Que. Domhnull I. Domhnullach, Piopolis, Que. Murcha C. Muireach, Milan, Que. Eobhan Mac Colla, Strathroy, Ont. Calum Deora, Dunbheagain, Ont. Donnacha Mac Rimmein, Dunbheagain, Ont. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. An t-Urr. Ruairi Mac Leòid, Dunbheagain, Ont. Bean Iain Mherlin, Springhill, N. S. Domhnull Johnstone, Springhill, N. S. An t-Urr. A. Domhnullach, D. D., Antigonish R. Domhnullach. Pleasant Valley, Donnacha F. Camaran, Bridgeville, Donnacha Mac Griogair, Bràigh Am. Deas, Seumas Mac Rath, Marshy Hope, Domhnull Dùghlach, Longlaketon, N. W. T R. H. Moireastan Great Falls, Mont. C. I. Moireastan, Brooklyn, N. Y, Uilleam Mac Coinnich, Dunéideann, Alba. Artar Morgan, Dunéideann, Alba. Padruig Mac-an-t-Saoir, Dunéideann, Alba. T. C. Harold, Sidni, C. B. Domhnull Domhnullach, Sidni, C. B. Murcha Mac-a-Ghobha, Sidni, C. B. A. G, Mac-Gilleain, Sidni, $2.00 H. C. Mac Aoidh, Malagawatch, Alasdair Domhnullach, (Saor) Port Hood, Ailein Mac Leòid, International Pier. Aonghas Gillios, Orangedale, Iain A. Mac Isaic, a Mhéinn a Tuath, An t-Urr. A. Mac Gillemhaoil, An Bai Niar, $3.00 Uisdean Mac Cuthais, Port Morien, Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien, Aonghas D. Morieastan, Baile-nan-Gall. M. R. Mac Neill, Benacadir Pond, Murcha Mac Coinnich, an Cnoc Aoil. Aonghas T. Mac Gill-fhaollain, S. W. Marg. Ruairi R. MacCoinnich, T. Deas Bhoulardarie Iain Mac Asguill, Goose Cove, St. Ann’s, Coinneach Mac Asguill, Mill Pond, Alasdair Mac Asguill, South Bar, Ailein Moireastan, Pòn Mor, $2.00. Padruig H. Mac-a-Ghobha, B. C. Chapel, Michael Gillios, B. C. Chapel, Ailein Mac Aoidh, U. S. W. Margaree. Micheil Mac Fhionghain, Lakevale. Mairi Cheanadach, Alba, Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. D. S. Mac Fhionghain, Shunacadir, (25c) Ceit Mhoireastan, Gut-a-Tuath St. Ann’s Calum Mac Ille-Ghuirm, Valley Mills. Cearc reamhar a choilich chaoil. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 174] [Vol. 4. No. 22. p. 6] CEILIDH ‘COMUNN AN FHRAOICH,’ ANN AN OIL-THAIGH N. FRANCIS XAVIER. Bho chionn ceithir no còig de sheachduinnean chaidh comunn ùr a chuir air chois ann an oil-thaigh N. Francis Xavier an Antigonish. ’Se ainm a chomuinn “Comunn an Fhraoich,” agus ’se ’s ceannn-criche dha, a Ghàidhlig a chumail air aghaidh agus cuideachadh a dheanamh leothasan aig am beil toil fàs na’s eòlaiche oirre. Aig a chiad choinneamh chaidh na h-oifigich a leanas a roghnachadh:—Ceann-Suidhe,—An t-Urr. Domhnuill M. MacEamuinn; 2rra Ceann-Suidhe,—Ioseph Sutherlanach; Cleireach,—Iain N. MacIsaic. ’Se an suaicheantas cluaran Gàidhealach agus crois N. Aindris iar a tarruinn ann an òr air ribein de shioda gorm, agus os a cionn na facail “Comunn an Fhraoich” ann an litrichean òir. Gu firineach bha na gillean gasda, Gàidhealach ag coimhead eireachdail nan cuid suaicheantas ùra air Oidhche Fhéill Aindris sa chaidh ’n uair a bha céilidh aca ann an onair Naomh Patron na hAlba. Am measg nan càirdean a chaidh a chuireadh ’sa thainig air chéilidh orra bha Iain Domhnullach Ard-Bhàillidh Antigonish, Iain Mac-a-Phearsain agus A. T. Dòmhnullach, ceann feadhna agus ceann-suidhe Comunn Gàidhealach Antigonish. Ma mheadhon a chéilidh thainig cein-chagar bho’n Urr. I. Mac-a-Mhaighstear ag radh gu robh e fior dhuilich nach b’ urrainn dha a bhi ’làthair, ach gu ’n robh e ’n dòchas gun cuireadh an Comunn seachad oidhche chridheil. ’Nuair a bha na h-aoidhean uile cruinn chuir an ceann-suidhe failte orra anns na briathran a leanas:— A Dhaoin-Uaisle,—Tha “Comunn an Fhraoich” le mor-thoileachadh a’ toirt fàilte chridheil, Ghàidhealach do na daoin-uaisle a thug an t-urram dhuinn tighinn ’g ar coimhead air an oidhche nochd. Cha ’n e gu’m beil duil againn nithean mora no iongantach a shealltuinn dhuibh, ach gur a math leinn cuimhneachadh air a chaoimhneas a thaisbean sibh dhaibhsan a bha feuchainn ri cainnt ar sinnsridh a chumail an cleachdadh ann an Oil-thaigh Naoimh Francis Xavier. “’Chanain ghasda, bhlasda, bhinn! ’Si ’bha’n cleachdàdh aig na suinn Dhearbh an gaisge anns gach linn, Sa bha cinnteach ’nam bhi tarruinn.” Tha sinne mi ta a’ deanamh ar ciad mhodh an nochd, agus tha sinn ’ga dheanamh le earbsa, chionn tha fios againn gu bheil sinn am measg chàirdein a sheallas le caoimhneas agus le carantachd air faillin sam bith a dh’ fhaodas iad fhaicinn. Tha fios againn ged nach biodh seud eile ’nar fàbhor ach a chànain a tha sinn a labhairt gu’n tugadh ar n-oidhirp mor-thoileachadh dhuibh. ’Sna làithean so ’n uair a tha ’Bheurla cho bichionta, ’nuair a tha muinntir òga cho tric a’ leigeil na Gàidhlig air diochuimhn, seadh ’nuair a tha cuid ann cho beag mothhichidh cho beag meas orra fhéin agus air na feadhainn bho’n d’thàinig iad ’sgur ann a bhios iad ri tàir air a Ghàidhlig, bu chòir dhaibhsan anns am beil spiorad nam fior Ghàidheal diola-fiach a dheanamh le bhi na’s deidheile agus na’s gaolaiche air cainnt an sinnsridh. “Beurla chruaidh gach aona latha, ’Nar cluais o cheann ghrathainn, ’Se bu dual duinn o’r n-athair ’Bhi labhairt na Gàidhlig.” Tha sinn ma ta, fada an comain nan daoin’-uaisle a thainig a cheilidh oirnn a’ an oidhche nochd, agus am measg air càirdean gu léir tha feadhainn ann da’ ’n còir dhuinn a bhi taingeil ann an seòl àrait. Air thùs agus air thoiseach tha an duin’-uasal fior-urramach Easbuig na sgireachd a thug iomadach seòladh agus cuideachadh dhuinn. ’San ath àite tha an t-Urr. Iaiu Mac-a-Mhaighstear, sagart Mhabou ’bu cheann-aobhair a’ sgoil Ghàidhlig a chuir air a cois an uiridh, agus a thug seachad tri duaisean fiachaill gus a brosnachadh. A sin tha an duin’-uasal flathail ’sa fior-Ghàidheal Iain Domhnullach Ard-Bhàillidh Antigonish, a thug mor-chuideachadh dhuinn anns a bhliadhna sa ’chaich seachad; agus gach dileas go deireadh tha Comunn Gàidhealach a bhaile so a thug bonn-cuimhne eireachdail mar dhuais dhaibhsan a bha ’g ionnsachadh na Gàidhlig. Bha ma ta a h-uile còir againn air cuireadh a thoirt dhaibh; agus tha sinn an dòchas nach bi sibh duilich a chionn tighinn air chèilidh oirnn, agus cha’n ’eil teagamh againn nach téid Latha Patran na h-Alba a chumail le barrachd taingealachd agus le barrachd naomhachd a chionn gun do ghabh sinn pàirt air Oidhche Fheill Aindris anns a chridhealas bheusach, stuama, ’bu ghnath do na laoich: “A dh’ àraicheadh air sgéith nam beann, ’Bhuannaich anns an Eiphert geall ’Sa chuir Frangaidh as an sealladh.” Na dheigh so bha ordugh a chéilidh mar a leanas:— “’S iad na Gàidheil fhein na diu’laich”} Raonull Domhnullach, Raonull MacEamuinn, “Turus Phàdruig do’n Taigh Mhor”} Raonull Peutan. “Far am bi ’n toil bithidh an gniomh.”} Raonull Domhnullach, Ioseph D. Sutherlanach, Aonghas C. MacAonghais “Oran na Caillich,”} Eoghann Boid, Ronull Domhnullach “Calum agus Seonaid,”—Iain U. MacIsaic. “Mor an t-Sheathaich,”—Eoghann Boid. “Ruairidh Ban Og,”—Ioseph Sutherlanach. “Bho’n a tha mi fo smuairean,” Eoghan Boid. Chaidh so uile a thoirt seachad ann an doigh a thug mor-thoilinntinn agus mor-chridhealas do gach aon a bha ’san éisdeachd, agus gu firinneach faodaidh bòsd mor a bhi air a chomunn airson cho math ’sa rinn iad air an ciad oidhirp. A bharrachd air na bha ’san ordugh sheinn Clarence Domhnullach roinn mhath do phuirt bhinne Ghàidhealach air a phiano. ’Nuair a rinn “Comunn an Fhraoich” an cuid fhein, thug an ceann-suidhe slàinte na Gàidhlig agus nan Gàidheal agus ghlaoidh e air Ard-Bhàillidh a bhaile gu freagairt do’n t-shlàinte. Rinn an duin-uasal so òraid speisealta, shnasar ann an cainnt a shinnsridh. ’S duilich leam nach urrainn dhomh a toirt dhuibh uile, ach bha aon ni àraid a dh’aithris e nach bu chòir a leigeil air dio-chuimhne, ’se sin gu’n d’ rugadh agus gun d’àraicheadh ann an uidhe da mhile dhiag do dh’oil-thaigh Antigonish tri easbuigean, ceithir britheamhan, agus moran de dhaoine cliùiteach eile, a h-uile d-aon do shliochd nan Ghàidheal. ’Sin chaidh slainnte Comunn Gàidhealach Antigonish a thogail agus fhreagair A. T. Domhnullach, ceann-suidhe a chomuinn dhi. ’Se fior Ghàidheal a th’ann ’san uasal Domhnullach, agus bruidhnidh e ’Ghàidhlig le mor ghrinneas. An deigh na h-òraide so, a thaitinn gu mor ris gach aon, leugh an t-uasal Iain Domhnullach “Birlinn Chlann-Raonuill.” Bi bhàrdachd i! C’àite faighear a leithid ann an cànain sam bith? Agus gu’n teagamh b’airidh a leughadh air a bhardachd. Cha b’urrainn e gun chòrdadh ri Mac Mhaighstir Alasdair fhéin ged a bhiodh e ’san éisdeachd. Bha i ’nisd a’ fas anamoch. Sheinn a choisir “Air sgàth na laith’n a dh’aom,” agus scaoil a chuideachd an dòchas gun coinnicheach iad a rithist ann an uine gun a bhi fada. Aonghas. [TD 175] [Vol. 4. No. 22. p. 7] Bha cailleach ann roimhe aig an robh da churrachd am muigh air an scaoiltich, agus thainig amadan an rathad agus spion e leis iad; bha ’chailleach ’ga choimhead ach cha do leig i dad orra. An la’r-na-mhàireach dh’iarr i na curraichdean air, ach dh’ àicheidh esan gu’n d’thug e leis iad; ach air do ghille òg a bh’anns a choimhearsnachd so a chluinntinn, chaidh e far an robh e. “Seadh a Challum, nach bu tu a bhéist a dhol a ghoid tri churraichdean na mna-bochda.” “Ach an duirt bradag a tri? cha robh gin ann ach na dha,” arsa Calum, agus leis a sin b’fheudar dha aideachadh gu’n do ghoid e iad; ’s fhuair a chailleach a cuid churraichdean air ais. Chaidh gille beag le Alasdair Mac Rath anns a’ Bhras d’ Or bheag, aois da bhliadhna, a losgadh gu bás air an darra latha fichead de’n mhios s’a chaidh. Bha a phàrantan a muigh aig an am agus thòisich esan ri lasadh phaipearan ris an teine, agus ghreimich an teine air a chuid aodaich. Nuair thainig a phàrantan a stigh, bha ’aodach ’na lasair timchioll air. Bha an páisde bochd air a losgadh gu dona mu’n aodann ’s mu’n amhaich, agus chaochail e an ceann da latha. Bha dithis eile de’n chloinn bhig a stigh còmhla ris ’nuair a chaidh a losgadh. Is e faobhar na lainne a tha’n a bhearbhadh air deagh chlaidheamh, agus cha’n e grinneas an dorn-chur, no maise na truaille. Ceart mar sin, cha’n e a’ chuid no a mhaoin a ni duine ’na dhuine mor agus urramach, ach a dheagh ghiulan agus ’fhio rmhaitheas fein. Fhuair boirionnach ann an Liverpool, N. S. fios o chionn ghoirid gu’n do chaochail a mac ann an Gloucester, Mass. Da latha ’n deigh sin fhuair i fios eile, ag innse nach robh e ach ann an nial, agus gu’n do dhùisg e aisde beagan ùine roimh am an tòrraidh. Cha tig as a phoit ach an toit a bhios innte. Am meirleach a dh’itheas ’sa dh’ innseas, cha chinnteach am fear comuinn e. Cha truagh leam cu ’s marag mu amhaich. Tional nan strabh ’s call nam boitean. Cha d’fhuair droch bhuannaiche corran riamh. Is fada theid neach o’n bhaile mu’n toir e droch sgeul dachaidh air fein. Gille firihnn ’se fas dh’itheadh e mar ’bheileadh brà. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 176] [Vol. 4. No. 22. p. 8] ORAN AIR CUAIRT DO DH-AMERICA. LEIS A CHUBAIR CHOLACH. Ann an toiseach an fhoghair Ris a’ chuan thug mi m’ aghaidh le sunnd, ’Dhol a shealltainn an àit’ ’S a bheil na measan a fàs a’s feàrr sùgh; ’Dhol a shealltainn nan gillean A ghabh toiseach na linne a null, ’S a thoirt naigheachd gu ’n càirdean; ’S mar a till mi bidh pàirt diubh ga m’ thùrs’. ’Fhir a chruthaich an saoghal Is a dh’ òrdaich na daoin’ os a cheann, Thoir dhuinn soirbheachadh feasgair’ ’S sinn a gluasad o’n fheasdraich fo shiùil: Bi ’gar stiùradh gu cala, Na leig dhuinn dol a mearachd ’n ar cùrs’; ’N uair a shéideas a ghaoth oirnn, Dhuits’ tha comasach faochadh ’thoirt dhuinn Bi mu ’r croinn ’s mu ’r buill-bheairte Bi mu ’r cùl-stadh mu ’r rachdaibh ’s mu ’r sgòd, ’S gach aon bhall ’tha ’s an àrdraich A toirt iomrachadh sàbhailt do ’n t-slògh ’Dhol a dh’ ionnsaidh an fhearainn Anns na dh’ullaich thu cheana dhaibh lòn.— Bi gach là ad sgéith-dhion’ orra Dean am faicinn air tìr is air dòigh. ’N uair a chunnaic Thu ’n rioghachd so Gun dòigh aig daoin’ ìsle air ’bhi beò Gu ’n do bhrosnaich thu ’n spiorad ’Dhol a dh’ imeachd na linne fo sheòl, ’Dhol a shealltainn na dùthcha ’Chum thu ’m falach ré ùine ro-mhòir, ’S nach bi bochdainn no ganntar Ged a ruigeadh na th’ ann ’s an Roinn-Eòrp.’ ’Nis tha ’n fhàidheadaireachd soilleir Bha’ measg dhaoin’ o cheann iomadach bliadhn’ Gu ’m biodh ciobhlan a mheanbh-chruidh Ri bristeadh nan galla-chrann ’s nan cliath. Chinn na h-uachdarain cosgail ’S tha an tuath air fàs bochd leis a’ mhàl; ’S ann mu ’n caill e ’chuid itich ’Théid gach ian a bhios glic air an t-snàmh. ’Thi a chruthaich gach creutair, Cha ’n ’eil ni nach bu léir dhuit o thùs; Tha thu riaghladh an ceartas, Tha gach uachd’ran fo d’ smachd is gach Prionns’; Is sàr-bhuachaille treud’ thu, ’S e do ghealladh nach tréig air an cùl; ’S do gach neach ’tha na èiginn Gu bheil bealach lan-réidh ’s dol a null. ’N uair a dh’ fhalbhas na daoine Is a chruinnicheas na caoraich mu ’n chrò’ Bidh gach tighearna tìre Giùlan cromag a’ chìobair ’s a chleòc; Cha bhi ’m fonn orra b’ àbhaist ’S iad a cunntas a’ mhàil air a’ bhòrd,— ’S ma thig strì air righ Shasuinn Bheir gach ciobair dha bragsaidh gu leòir. Ma thig cogadh do ’n rioghachd s’ Thig na Frangaich na ’m miltean a nall Is bidh amhach righ Deòrsa Ann an cunnart gu leòir bho ’n cuid lann. ’N uair a dh’ fhalbhas na Gàidheil Le cion aodaich, is earra is is lòin ’S olc an dion dha na Sas’ naich Ged robh ’m bronnaichean pacte le feòil. Nuair a thug a’ chiad Iomhar, Righ Shasuinn, na Cuimrich fo chis, rinn e cuirm mhòr, agus bha cuireadh air a thoirt do na h-uile Bàrd Cuimreach. Chaidh a’ chuid a bu mhò dhiubh a dh’ionnsuidh na cuirme agus nuair a bha iad air an tional agus iad gu sona, suilbhir, an teas-meadhon na cuirme, chaidh na saighdeirean Sasunnech a steach le òrdugh Righ Iomhair, agus mhurt iad na h-uile fear dhiubh. Rinn e mar sin a chionn gu’m b’iadsan a bha ’nan luchd-teagaisg aig an t-sluagh agus a b’àbhuist a bhi teagasg gràdh dùthcha dhaibh. Bhitheadh iad mar an ceudna a’ brosnachadh an t-sluaigh a chum saorsadh an dùthcha a thoirt air ais, agus bha fios gu math aig an righ, cho fada ’sa bhitheadh na bàìrd a’ deanamh an leithid sin, agus a’ cumail suas cànain agus cliù an sinnsear, nach b’urrainn da misneach an t-sluaigh a bhrisdeadh gu leir. Tha sgeul air innse air duine bh’ann an Grianaig, a bha car as a rian, agus a chuireadh do’n tigh-chaothaich, gle fhada ’n aghaidh a thoile. Beagan laithaichean an deigh dha bhi air e chur ’san dachaidh ùr sin, chuir fear gleidhidh an taighe a mach a chur càil e. Rinn e sin ach an àite ’n càl a chur ceart ’sann a chuir e na barran ’s an ùir ’sna bunan far ’m bu chòir na barran a bhi. Thug fear-gleidhidh an taighe garg aghaidh air ’nuair a chunnaic e an obair, ach b’e ’m freagradh a fhuair e:—“De bhladaireachd a th’ ort mar sin? Ma tha mise gu bhi ann an tigh caothaich, saoil nach feum mi obair duine caothaich a dheanamh. Cha ’n eil mi gu bhi air mo chumail ann an so mar amadan, agus a dol a chur càil mar a chuireadh duine glic e.” Bha Camshronach agus Caimbeulach a’ stri ri cheile co ’b’urramaiche fine, an uair a fhreagair an Camshronach agus thuirt e, “nach eil fhios agadsa nach teid an Cam-bhial os cionn na Cam-shròn gu bràch. Taghail aig D. J. Domhnullach, agns faic na brògan agus na cleòcannan bèin a th’aige ri chreic. Tha na cleòcannan gu teirgsinn. Gheobhair deagh bhargain aige daonnan. Far an taine an amhuiun ’sann is mo is fuaim. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 177] [Vol. 4. No. 23. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 14, 1895. No. 23. Tuilleadh mu na Maories. Tha mi dol a thoirt dhuibh aig an am so tuilleadh eachdraidh an dòighean nam Maories agus tha mi’n dòchas nach bi luchd-leughaidh a MHAC-TALLA fas sgith dhiom. Cha’n eil e ’nam chomas innse gu mean na h-uile car mu’n timchioll; bheireadh e mach cus dhe’n phaipeir. Tha eadar-dhealachadh mor eadar ua seann Mhaories agus an fheadhainn a th’ann anns an latha ’n diugh. Bha iad uile air an roinn ’nan treubhan, agus cinn-fheadhna, Rangatira, thairis air gach treubh, mar a bha na fineachan Gàidhealach o shean, agus bhiodh an ceann-feadhna sin a riaghladh thairis orra anns gach ni a bhuineadh dhaibh. Ann an reic fearainn bha fhocal cho cinnteach ’s nach rachadh e air chor ’sam bith an cois an rud a ghealiadh e. Cha’n eil Maories an latha an diugh mar sin. Tha iad le foghlum agus ionnsachadh a’ cur an cleachadh uile cuilbheartan an duine ghil. Bha na h-aobhair aca: bhiodh na cearnaichean, cuid dhiubh co-dhiu, a’ cur nam biorsamaidean air iomrall le bhi ’g atharrachadh nan cothroman (Weights), agus mar sin a toirt a chuir as a Mhaori mar a thogradh iad, an am reic us ceannach, ach tha ’m Maori a nise suas ris a h-uile dòigh meallaidh: agus ma bheir na ceannaichean an car as, bheir esan an car asda-san. Tha còrr ùs deich bliadhna fichead on chaidh fearann a reic le ceann-féadhna, gun aonta na treibhe gu léir. Mu’n àireamh bhliadhnaichean sin air ais, reic fear dhiubh criomag fhearainn, mu shia ceud acaire, ri fear de luchd-riaghlaidh na dùthcha. An ùine ghoirid thoisich Maori eile air tagairt paidheidh air an fhear a fhuair seilbh air an fhearann, a cumail a mach gu ’m b’ann dhàsan a bhuineadh e. Thoisich an deasbud, agus an deigh sin cogadh, a chosd do’n dùthaibh na ceudan miltean de dh’airgead, agus dh’fhàs moran de na Maories fiadhaich, an deigh dhaibh an cuid fearainn a, chall. Rinn iad an deigh sin, righ dhaibh féin, agus tha iad a nise sitheil a rithist. Tha cùirtean fearainn air an suidheachadh le breitheamhan air an ceann a tha eolach air sinnsireachd nam Maoreis. Bi’dh na cùirtean so ’nan suidhe bho àm gu àm nuair a bhios fearann ri reic, agus bi mòran sluaigh a cruinneachadh. Cha téid ploc fearainn a reic gus an aontaich iad uile ris. Bi’dh luchd-lagha a’ frithealadh nan cùirtean, air son còirichean nam Maories a dhion, agus ’se glé bheag a bhios a’ tigh’n dh’n ionnsuidh nam Maories ’nuair a gheobh iadsan an cuid fhéin. Tha na breitheamhan agus na daoin’ urramach a tha sealltuinn an deigh gnothuichean nam Maories ’nan daoine le gibhtean àraidh tha freagarrach dhaibh, cuid dhiubh a rinn iad féin ainmeachadh. Feumaidh iad a bhi cruaidh, ceart, agus seasmhach, le moran foighidin agus ceannsachadh droch nàdair, buadhannan a tha ainneamh ri ’m faotainn. Tha na Maories neo-chumanta gleusda agus deas-blriathrach; cumaidh iad suas deasbud gun lasachadh. Tha iad glé gheur gu toirt fa-near laigse sam bith a bhios anns an duine ris am bi iad a’ deanamh gnothuich, agus gabhaidh iad uile ’n cothrom air. Tha iad glé shuilbhearra, agus bheir iad deagh chrathadh-laimhe do’n duine gheal ’nuair a thachras iad air, agus cuiridh iad fàilte air leis an fhacal. “Tenakoe,” aig am bheil an aon bhrigh ’sa th’ aig an fhacal, “Failt oirbh,” anns a Ghàilig. Eadar iad féin, an àite crathadh làimhe ’s ann o shuathas iad an srònan ri cheile; ge ’r bith càite ’n tachair iad air a chéile, air sraid a bhaile mhoir no’n àit eile, seasaidh na h-uile h-aon dhiubh ’nan sreith, gun ghluasad, gus an cuir gach aon dhiubh fàilt air gach aon eile le ’shròn a shuathadh ri a shròinan-san. Ma tha iad glé fhada gun a chéile fhaicinn, no ma tha iad càirdeach, bidh na srònan air an cumail ri chéile beagan ni’s fhaide, agus crònan beag agus gal air a chumail suas fad na h-ùnie. Chunnaic mi daoin-uaisle bha measail aig na Maories a cur fàilte orra air an dòigh so. Bha mi fhéin ris a’ chleachdadh so cuideachd; bha Maories a’ fuireach faisg orm a bha glé chàirdeil agus daimheil, agus ’nuair a choinnicheamaid, shuathamaid ar srònan ri chéile, na mnathan cho math ris na fir, boirionnaich bhriagha, mheal-shuileach, a thaisbeanadh gu sèimh caoimhneas an cridhe ann an seana cleachdadh an dùthcha. Cha’n eil na Maories idir math air leigheas euslaintean; cha’n eil tuigse sam bith aca air an aire tha neach a bhios tinn ag iarraidh. Tha na bothain anns am bi iad a comhnuidh air an tubhadh gu dionach, agus gun fhosgladh de sheòrsa sam bith aca ach an dorus. Bi’dh iad ’g am bruich leis a bhlàths anns na bothain sin agus theid a mach air son fionnachd. Gabhaidh iad an sin fuachd, cnatan, no tinneas-cléibhe. ’Nuair a dh’fhàsas duine ro thinn, ’s gann a theid oidhearp sam bith a thoirt air a leigheas; bidh iad an dùil gur buitseachd a th’air. Ni an sagart (Tohunga), ’ùngadh, agus theid an sin a ghiulan gu uaimh no toll sam bith am measg nan creagan, far am faigh an duine bochd bàs. Iain Rothach. Gléidh do mhisneach le deagh rùinte ’nad chridhe. Gabh tlachd ann an comunn nan càirdean a’s dillse dhuit. Anns gach toil-inntinn bi stuama. Bi do ghnath glic agus cùramach ’nad gnothuchaibh ri muinntir eile,—seasmhach ’nad gheallannaibh, ma’s miannach leat suaimhneas agus fois. Na labhair gu h-olc mu neach sam bith air a mhiosad. Buin ri t-eascaraid le siobhlatachd, agus druid do chluasan an aghaidh gach droch sgéil. [TD 178] [Vol. 4. No. 23. p. 2] ORAID A liubhair an t-Ollamh Niall Mac-na-h-Innse, ann an Lochiall, Ontario. B’ àbhaist do bhàird no do fhilidhean na Féinne anns na linntean a tha fad air chùl, a bhi ’creidsinn anns an eòlas beag air nithean spioradail a bha aca, gu robh an sinnsirean ’n an ciar thalla ann an ceò doilleir nan neul, a’ sealltuinn do ghnàth a nuas orra, ’s ’g am brosnachadh a bhi duineil, measail, sgiobalta, anns gach gniomh is gàbhadh us cunnart. Nach fhaod sinn a nochd a bhi ’smuaineachadh gu bheil spioradan nan Gàidheal a rinn euchdan cho mora ann an Lochiall anns na làithean a dh’ aom, ag amharc a nuas oirnn le tlachd us le toileachas domhainn air a’ chlach-chuimhne ealanta ’chuir an clann suas a chum meas us onair a thabhairt do chuimhne ’s do bhuaidhean lionmhor nan Gàidheal, a bha eudmhor, measail, sùrdail, ann an Lochiall. Tha ’n sean-fhacal ag radh mu dheibhinn nan laoch us nan sonn a bha dileas ann an stri nan lann, “Co nach cuireadh clach ’nan càrn?” Their sinn, uile co nach cuireadh clach ann an càrnnan Gàidheal dhichiollach, dhùrachdach, thoilichte a leag le neart an gàirdean craobhan garbha ’s àrda bhaile so, agus le iomadh Bee-Roillickigh a loisg le dragh nach robh suarach, le dealas a bha easguidh gach moch ’s gach anmoch, na craobhan tiugha, meurach, agus a dheasaich ionadan comhnuidh agus teachd-an-tir shubhailceach, onorach daibh féin agus d’ an clann. Tha briathran tiamhaidh an Ollaimh Mac Lachuinn, am bàrd milis, gleusda ’bhuineas do ’r linn féin, freagarrach gu leòr mu dheibhinn nan gleann ’s nan aonaichean anns an d’ rugadh na Gàidheil a thainig do Lochiall bha fhonn an fhraoich ghaganach, bhadanach, bhòidheach. “A ghlinn ud shios, a ghlinn ud shios, Gur trom an diugh mo shùil, A’ dearcadh air le ’lagan àigh, Mar b’ àbhaist dhaibh o thùs, Tha spreidh ag ionaltradh air do mhagh Na caoraich air do raon, Tha churra ’g iasgach air do thràigh, ’S an fhaoileann air a’ chaol. O c’àit am bheil gach caraid gaoil, Bu chaomh leam air do learg, A chuireadh fàilte orm le tlachd Us beannachd leam a’ falbh? Tha chuid a’s modha dhiubh anns an ùir, ’S an t-iarmad fada uainn; Dh’ fhàg mise am aonaran an so, ’N am choigreach nochte truagh.” Agus ma bheir sinn géill do bhàrd Sheallama nam beusan ciùin ’s nan caomh dhan, creididh sinn gur e iarrtus dùrachdach nan Gàidheal a tha ann an suaimhneas a’ bhàis anns a’ bhaile so, nam bitheadh comas aca air am beachdan ’s an comhairlean a chur an géill, gu’m bitheadh na Gàidheil a chuir an òrdugh a chlach-chuimhne eireachdail so, a leantuinn daonnan le cridheachan suilbhir, treubh achàrdanach, ris gach ni a’s fhearr, a’s measarra, ’s a’s motha tlàths us buannachd ann an cliù, ’s ann an stòldachd, ’s an eachdraidh nan daoine geamnuidh, gaisgeil bho’n d’ thàinig iad. Ged nach eil Canada ach òg ann an coimeas ri Rioghachdan uaibhreach, làidir, na Roinn Eòrpa, b’ eigin di iomadh cunnart eagalach a sheasamh, agus fuil a mic a dhòrtadh airson a còirean ’sa saorsa ’dhion bho’n nàmhaid fhuileachdach, gharg. Dhearbh Gàidheil Ghlinne-garaidh, agus Gàidheil Lochiall maille ri càch, ann an cogadh no dha, agus air iomadh blàr, gu bheil gairdean nan Gaidheal anns an dùthaich so fathast foghainteach, neartmhor, agus ealamh, agus gu bheil fior-fhuil nan sonn a chiosnaich Bonaparte, fathast blàth us glan ann an cridheachan Gàidheil na siorramachd so, Gàidheil a thug dearbhadh diongmhalta cheana, gu bheil, agus gu’n urrainn daibh, a bhi gach àm mearganta us mileanta ann an stri nan lann air machair ’us faiche ’n àir. Ma bhitheas feum air iomchair nan claidheamh us an sleagh anns an aimsir a tha ri teachd, nochdaidh iad gu’n dean iad ann an trusgan ciar a’ chomhraig ann an àm liodairt nan lann ’s nan clogaidean, onoir do na Gàidheil bho’n d’ thainig iad—Gàidheil a bha ciùin am feadh a bha sith air gach sliabh us tràigh us aonach, agus a bha calma, cosgarra an uair a thogadh an nàmhaid a ghuth gu dàna, tàireil. Agus a nise focal no dha mu na Ghàelig—mu na chainnt aosmhor thapaidh a labhair laoich na h-Alba—laoich nach b’ urrainn na Ròmanaich leis gach feachd us feart anabarrach, iomraiteach, a bhuineadh daibh, riamh a chiosnachadh. Ged a thug iad buaidh aig bhlàr cogaidh air Galgacus, an Gàidheal gagach, cha do striochd na Gàidheil riamh do Iompairean uaibhreach na Ròimhe. A’ cheud uair a bha mi anns a’ bhaile so, dh’ innis cuid eiginn domh nach robh ach tri no ceithir de theaghlaichean ann an Lochiall nach robh ’labhairt na Gàelig. Cha ruig sinn a leas nàire no rughadh gruaidh a bhi òrinn mu dheibhinn na Gàelig, oir bha i deas-labhrach, fileanta, agus còinneach nan làithean liatha m’a timchioll mu’n deachaidh tulgainn a dheanamh air creathall Beurla no Fraingeis. Tha na bàird Ghàidhealach le briathran dealbhach, fonnmhor, a’ deanamh luaidh air meas us morchuis na Gàelig. Tha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair ag radh: “Gur i ’labhair Adhamh ann am Pàrras féin; ’S bu shiubhlach Gàelig o bheul aluinn Eubh, Bha ’Ghàelig ullamh, ’na gloir fior ghuineach cruaidh Air feadh a chruinne mu’n thuilich an Tuil Ruadh, Mhair i fòs ’s cha teid a glòir air chall, Dh’ aindeoin go us mi-run mor nan Gall.” Tha Donnacha Ban Mac-an-t-Saoir, bàrd oirdheric, aiginneach, Ghlinn Urchaidh ag radh le moran toileachas us cinnte, “Gur i ’Ghàelig an labhairt phriseil chùramach a rinn cùmhnanta ri Adhamh; gur i ’bu chainnt do Noah an am seòladh anns an airce; gur i fhuair maighstireachd an uair a sgaoil na cainntean aig Tùr an aimhleidh mhòir.” Tha gu cinnteach an sgeula ’nis sean us searbh—oir chaidh iomadh linn seachad o’n thòisich e air a bhi air aithris—gu robh agus gu bheil a’ Ghaelig ann am feasgair a treòir ’sa làithean; gu bheil i euslainteach agus aig ceann uidhe a turuis, agus gu feum i ann an ùine ghearr an deò deireannach a thoirt suas, us àite tosdach a ghabhail ann an ciste nam marbh, agus a bhi air a tasgaidh anns an ùir taobh ri taobh ris na Gàidheil a labhair i, ’sa bha misneachail cliùiteach ’nan latha ’s nan inbhe féin. Thainig agus dh’ fhalbh iomadh geamhradh agus samhradh us sneachd us uisge, us fuachd us teas, us grian us gealach, o’n thòisich luchd mi-run air a bhi ’g radh, gu robh a Ghàelig breòite, truagh, agus gu robh i ’g imeachd le ceum deifireach a dh’ ionnsuidh na h-uaighe. Ach tha Ghàelig beò, beathail, sunndach fhathast, ann an Lochiall agus ann an [TD 179] [Vol. 4. No. 23. p. 3] iomadh àite ’s ceàrna eile. Tha freumh bunaiteach aice ann an tir nan gleann ’s nam breacan. Tha iomadh comunn air feadh na h-Albha ag altum spéis bhlath us dhomhainn di ’s a deanamh moran stri us tapaidh as a leth. Tha i ’fàs ’na faillean fiùranach anns na h-Innsean, ann an Australia, ann an America tuath us deas. Is lionmhor iadsan ann an Canada ’tha àrd us cumhachdach air feadh na dùthcha, a tha gle phròiseil gur Gàidheil a tha annta, agus gu bheil comas aca air cànain Oisein, bàrd Sheallama nam feart, a labhairt gu furasda, gu pougail, agus gu ceòlmhar. Is ann da rireadh a tha ’Ghàilig aig an àm so ’g ath-nuadhachadh a h-òige, ’s a cur sòbhraichean us neòineanan dreachmhor ann an suaicheantas a cinn ’sa maise. Ruithidh moran Gàidheil an cuairt thalmhaidh ann an Lochiall mu’n teid an fhòd ghorm a chur gu bràth air uchd leathann làidir uasal na Gàelig. Is ro mhath, mata, tha Niall Mac Leòid, am Bàrd Sgiathanach a seinn. “Duisg suas, a Ghàelig ’s tog do ghuth Na biodh ort geillt no sgaig: Tha ciadan mile dileas duit, Nach diobair thu ’s a’ bhlar. Cho fad ’s a shiubhlas uillt le sruth ’S a bhuaileas tuinn air traigh, Cha’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gu’n teid do chur gu bas. Cha’n eol dhuinn cearna an ear no ’n iar No fonn mu’n iadh an sàl, Nach fhaighear cuid an suid de’n àl A’ liadachadh ’s a’ fas ’Tha ’g altrum suas le durachd dhian Gach sgialachd agus dàn A bhiodh an sinnsirean a’ sniomh An tir nan sliabh ’s nam bagh. Tha dochas mor ’us deothasach agam gu’n tig as dachaidhean fhaoilidh Lochiall anns na laithean nach fhaic sinne, iomadh Gàidheal a ni ainm mor ’us measail da fein ann an parlamaidean ’us oil-thighean ar duthcha. Tha dochas laidir agam gu bi Gàidheil Lochiall le moran suird us eolais a’ cur gu buil ghasda mar thuathanaich nan achaidhean farsuing, comhnard, beartach a chi mi air gach taobh dhiom. Is e mo bheachd nach ’eil ann an Canada gu leir beatha a’s modha sonais us toilinntinn, a’s fhearr agus a’s fallaine, na beatha ’s saothair an Tuathanaich. Tha dochas mor ’us cinnteach agam, mar anns na laithean a bha’s a dh’ aom, gu’n eirich agus gum bi ann an Lochiall anns na bliadhnachan a tha ri teachd, iomadh nighean agus boirionnach malda, seimh, sunndach, sgiamhach, a chum as suas ainm ’us cliu ’us beusan nam ban Gàidhealach anns gach linn ’us tir. Do gach sean-athair ’us sean-mhathair, do gach mac ’us nighean Gàidhealach ann am baile ainmeil Lochiall, tha mi ’toirt mo mhile beannachd, an la chi ’s nach fhaic Bha aig an taillear gille og, ris an abair sinn Cailein, ag ionnsachadh a cheird agus cha ’n iarradh Donnachadh n’a b’ fhearr na bhi a’ toirt a’ char á Cailein agus a’ cur ghnothuichean neo-chomasach mar fhiachadh air; agus sin uile gun urad agus smeideadh gaire a dheanamh. Air latha araidh fhuair an taillear fios cabhaig gu dol a dh’obair do thigh an tuathanaich ann am Bealach-na-mona. Bha iomradh am fad ’s am farsuingeachd feadh an duthcha gu ’n robh buidseachas air an tigh, agus a mach o ’n taillear fhein agus h-aon no dha eile cha robh a’ bheag d’am b’ aithne an t-aite nach robh a’ toirt lan gheill do ’n bhiubhas. Ma bha buidsichean an aite sam bith eadar Maol-chinntire agus Barra bha iad ann am Bealach-na mona. Theireadh duine gu’n robh e air a dheanamh air an son,—aite uaigealta, fasail, air a chuairteachadh le boglaichean ’s le criathraichean ris an deanadh cridhe nan doideagan ’s nan glaistigean teòisinn. Ach cha ’n e mhain gu’n robh Bealach-na-mona coltach ri aite a thàladh an leithidean so, agus a bha anns gach doigh freagarrach air son an uabgan ’s an iopannan a chur an gniomh,—bha gu leoir de dhaoine ’s a’ choimhearsnachd a bheireadh am boidean ’s am mionnan gu ’m fac’ iad fein agus gu ’n d’ fhairich iad cuid d’ an droch chleasachd an àm a bhi ’gabhail an rathaid chuil, anmoch a dh-oidhche, eadar Tigh-an triubhais agus an Caolas. Co nach cuala mar a lobair ’s a liodair ’s a mhi-ghnathaich iad an Drobhair Mor, uair a bha e ’tilleadh dhachaidh anmoch á Tigh-an triubhais, an deigh a bhi fad an latha air Faidhir a Chlachain? Cha d’ fhuair e os a chionn gus an latha ’n diugh, agus tha e ag radh nach gabhadh e an saoghal agus dol air ’ais leis fein a rithist air an rathad cheudna, eadhon ann an geal an la sholuis! Bha lan fhios aig gille an tailleir mar a thachair do’n Drobhair Mhor agus do iomadh aon eile, ’s cha chluinneadh e an t-iomradh a bu lugha air dol a choir an tighe. Thuirt e gu ’m faodadh an taillear dol ann ma bha e gun suim, gun churam d’a bheatha; ach air a shonsan ged a bhiodh a’ h-uile snathain aodaich ann am Bealach-na-mona air a chaitheadh ’n a luideagan, agus a’ h-uile duine gun snichdean a chuireadh iad m’ an cuirp, nach rachadh esan a dh-obair ann, nach laidheadh, agus idir, idir, nach caidleadh e oidhche ’s an tigh. Dh’ fheuch an taillear an da chuid le durachd agus le fochaid air a chur bharr a bheachd, agus theab ’s gu ’m fairtlicheadh air; ach mu dheireadh, chuir e iompaidh air Cailein gu dol leis, agus moch air maduinn an ath latha thog iad orra,—an taillear gu togarrach sunndach, ach Cailein bochd, lan géilt agus amharuis. Air feasgar a’ chiad latha, rinn Donnachadh-taillear guth air mac an tuathanaich; dh’ innis e dha an t-eagal a bha air Cailein roimh na buidsichean, agus thuirt e ris e ’dhol fo ’n leabaidh anns an robh esan agus Cailein ri cadal, agus an uair a bhiodh iad direach dol a thuiteam ’n an cadal, e ’chur a dhroma fo urlar na leapach agus a togail a suas uair no dha a chur eagail air Cailein. Cha d’ iarr mac an tuathanaich na b’ fhearr, agus goirid m’an do ghabh an taillear agus Cailein mu thamh, chaidh e air a mhagan fo ’n leabaidh agus rinn e deas airson a’ ghnothuich. An deigh dol a laidhe,—an taillear air an taobh-beol agus Cailein air an taobh-cuil—cha robh ’shaod air Cailein gu ’n caidleadh e idir ach a’ sior-bhruidhinn air buidsichean, agus an taillear, ma b’ fhior e fein, a’ magadh air airson a bhi cho faoin. “Caidil,” ars’ an taillear, mu dheireadh, “tha mi seachd sgith dhiot fein agus de d’ bhuidsichean,—cha chreid mi gu’m bheil an leithid idir ann gus am faic no ’m fairich mi iad.” Thionndaidh an taillear a chulaobh ri Cailein, a thug osann throm as, agus shocruich iad iad fein airson cadail. Is gann a neadaich iad an cinn anns na cluasgan, an uair a mhothaich Cailein an leabaidh ag eiridh suas fodha mar gu’m biodh crith-thalmhainn ann. “Ni-math g’ar teasraiginn, sin iad!” ars’ esan, ’s e ’toirt leum-buic a nunn air meadhon an urlair,—“nach d’ thuirt mi ribh gu’n robh buidsichean ann.” Cha b’ urrainn do ’n fhear a bha fo ’n leabaidh cumail air fhein; rinn e glag gaire, agus ma rinn, rinn an taillear. Bha Cailein bochd fo leithid de bhalla-chrith ’s nach b’ urrainn da toiseachadh leotha no tlachd a ghabhail anns an spurt ged a chunnaig e ciod a b’ aobhar dhi. Ged nach do chaidil e moran an oidhche sin, dh’ aidich e gu’n do chuir cleas an tailleir—oillteil ’s mar a bha e,—gu buileach as a cheann, o’n latha sin, gach creideamh ann an buidseachas, gisreagan agus a’ h-uile gne shaobh-chrabhaidh. MAC-MHARCUIS. [TD 180] [Vol. 4. No. 23. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DECEMBER 14, 1895 Tha duine do’n ainm Aubray ann am baile Hull, an Ontario, agus bha e treis a dh’uine na àrd bhaillidh (Mayor) air a bhaile. Dhearbh e an ùine ghoirid nach b’airidh e air an dreuchd anns ’n do chuireadh e, oir reic e e-fhein mar gu’m b’eadh, ri feadhain eile air son buannachd shalach a chur ’na rathad fhéin. Chuireadh ’san lagh e, agus a nise tha chùirt an deigh a dhùnadh a mach ri bheò o gach oifig agus dreuchd ’san dùthaich, agus a bharrachd air a sin tha càin mhor aige ri phàigheadh. Cha’n eil teagamh uach saoil cuid gu robhas tuilleadh us cruaidh air, ach nuair a bhios duine cho suarach ’s gu’n cuir e cùl ris a cheart an deigh do dhaoine a chur an dreuchd earbsach cha’n eil peanaiste sam bith tuilleadh us mor dha. Tha na Staitean aig an àm so a’ deanamh moran bruidhne an aghaidh Bhreatuinn. Tha Breatuinn o chionn reis a dh’ uine ann an aimhreit ri Venezuela, comh-fhlaitheachd bheag ann an ceann a deas America. Tha mir fearainn aig Breatuinn ri taobh Venezuela, agus tha stiall dhe’n fhearann a tha mu’n chrich a tha eatorra, mu nach urrainn dhaibh còrdadh. Tha Venezuela ’ga agairt ’s tha Breatuinn ’ga agairt. A bharrachd air sin, rinn saighdearan Venezuela eucair air cuid de na Breatunnaich, agus tha Breatuinn air son tòrachd sin a thoirt a mach. Ach a nise tha na Stàitean air son a dhol ’san eadraiginn, agus b’ àil leatha Breatuinn fuireach cuibhteas Venezuela gu buileach. Tha cuid de dhaoine mora nan Stàitean eadhon air son a dhol a chogadh ri Breatuinn mu’n chùis, ach cha’n eil e ro-choltach gu’m bi a’ chuid mhor cho amaideach ’s gu’n dean iad a leithid sin. ’S gann a chreideas sinn gu’m bi na Stàitean cho fior ghòrach ’s gu’n teid iad a dhòrtadh fala air son ni cho beag agus cho fada uapa féin. MUINNTIR ARMENIA:—Bidh truas aig na Gàidheil, mar gheibhear feadh an t-saoghail gu léir, ris na h-Armenianaich bhochd ’nan geur-fhulangais aig làmhan an Turcaich mhosaich. A dh’aindeoin na chaidh a ràdh ris leis an Fhraing, le Russia, is le Breatunn, tha an obair oilteil a’ dol air a h-aghaidh, mnathan air an salachadh, clann air an reubadh, is fir air am mort ’sam marbhadh. Tha dachaidhean nan daoine bochd so air an sgrios; ’s tha iad air am fàgail gun chuid is gun nì. Chithear iad ann an creuchdan is ann am bochdainn ’s na coilltean is ann an sgoltaibh nam beann. Is e rùn an Turcaich cur as daibh uile mu’m faigh uachdranachd na h-Eòrpa cothrom air an Turcach éigneachadh a mach as a’ bhrùitealachd is a’ mhuirt a bhuineas d’a ainm anns na laithibh so. Air an t-seachdain so féin tha sgeul ùr air teachd gu’n do thòisich mort fiadhaich ann an ceàrn eile do Armenia; agus theagamh gu’m feum an dùthaich so an làmh làidir fhaicinn mu’m bi an gnothuch air a chriochnachadh.—Oban Times. Bha iad a taghadh fir-pàrlamaid ann an siorrachd Ontario a tuath Dior-daoin. Bha triùir a ruith; fhuair Mac Gillebhràth, an conservative a stigh, le barrachd mor bhòtaichean sa fhuair gin de chàch. Tha D. J. Domhnullach a reic bathair glé shaor aig an àm so. ’S math a b’ fhiach dhuit taghal aige. Tha Mr. W. H. Watson, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean a deanamh gnothuich ann am Baddeck, a nise ann an Sibni. Chithear sanas uaithe anns a phaipeir so. Tha Mr. Watson mar an ceudna a’ cumail tigh bòrdaidh. Tha an geamhradh air tighinn, ’s tha ’n latha ’sior fhàs goirid. Tha a ghrian an drasda ’dol fodha beagan mhionaidean an deigh ceithir. ’Se Di-sathairne s’a tighinn an latha ’s giorra dhe’n bhliadhna. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 181] [Vol. 4. No. 23. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh fear Daibhidh Howie, a mhuinntir Westville, N. S., mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh le urchair gunna. Bha an urchair air a losgadh le fear eile a bha mach a’ sealg chearcan-tomain. Chaidh moose geal a mharbhadh ann an cearna de Stàit Maine o chionn ghoirid. ’Si an aon mhoose gheal a chaidh a mharbhadh riamh an criochan na Stàite, air am bheil cùnntas; cha’n eil ach iomradh glè ainneamh air aon dhiubh a bhi geal ann an àite sam bìth. Chaidh soitheach-smùide a mhuinntir Newfoundland air tir faisg air beul acarsaid Louisburg ’sa mhaduinn Di-domhnaich, agus chaidh a bristeadh. Chaill i na siuil anns an stoirm Di-haoine roimhe sin, agus chaidh an acfhuinn cearr air chor ’s nach gabhadh i stiuireadh. Bha da mhile ’s coig ceud ceantal de throsg aice air bòrd. Bha tagradh air a chur gu luchd-riaghlaidh na dùthcha ag guidhe gu’m biodh a bheatha air a leigeadh le Shortis, a tha air a dhiteadh gu bàs air son mort a rinn e ann a Valleyfield, an Cuibeic, ach dhiult an luchd-riaghlaidh gnothuch a ghabhail ris a chàs idir. Tha Shortis ri bhi air a chrochadh air an darra latha dhe’n bhliadhn ùir. Chaidh fear Uilleam Mac Mhuirich, ann an Toronto, a chur do’n tigh-oibreach an la roimhe air son sabhal a chur ’na theine. Bhuineadh an sabhal do’n fhear a bha posda aig a dhalta. Dh’ fhàg bean Mhic Mhuirich e, agus chaidh i dh’ fhuireach còmhla ri h-ighinn, agus ’s ann mar dhioghaltas air son sin a chuir esan teine ri sabhal an fhir eile. Tha sinn an dòchas gu’n dean luchd-gabhail a MHAC-TALLA, iadsan nach do phàigh fhathast, an dichioll air na th’aca ri phaigheadh a chur ugainn eadar so us Bliadhn’ Ur. Tha moran airgeid a dhith oirnn air son gnothuichean a chur ceart aig ceann na bliadhna: ma ni an luchd-gabhail an dleasanas. theid againne air ar dleasnas féin a dheanamh, agus mur dean iadsan sin, cha’n urrainn dhuinne ar cuid fein a dheanamh. Is ni beag dolair, ach ma nithear moran dhiubh a chur cruinn ni iad feum. Cluinneamaid bho ar càirdean. Thainig ceud stoirm a gheamhraidh oirnn feasgar Di-ciaduin s’a chaidh, agus lean i fad cheithir uairean fichead. Thòisich i le fuachd ’s le cur us cathadh. Shil cnap math sneachda, na dheanadh deagh ròidean mur biòdh an cathadh a dh’ fhàg a chuid mhor dhe’n talamh rùisgte. Bha citheachan cho domhain air an rathad-iaruinn eadar so us Louisburg ’s gu’n do chuireadh stad air a charbad ann an Catalone ’sa mhaduinn Dior-daoin, ’s b’ fheudar dha tilleadh gu Louisburg. Sguab a mhuir air falbh pios dhe’n rathad-iaruinn cheudna aig Gut Mhira, rud a chum an carbad gun a dhol thairis air fad latha no dha. Gus a so cha’n fhaca sinn ach fras no dha de shneachd an taobh so, agus mar sin cha’n eil aobhar gearain againn. Bha’n stoirm a bh’againn an so Di-ciaduin ’s Dior-daoin gle thron air cladaichean St. Pierre. Bha tri soithichean air am bristeadh air na creagan, ach chaidh na daoine bh’air bòrd a shàbhaladh. Tha MAC-TALLA latha air deireadh, air an t-seachdain so. Cheannaich sinn inneal chlo-bhualaidh dhuinn fèin, agus eadar a cur a stigh sa cur a dh’ obair, chuir i sinn latha air deireadh. Tha MAC-TALLA nise air a chlo-bhualadh gu buileach ’na thigh fhéìn, agus tha sinn an dòchas nach misde an luchd-leughaidh sin. Mar a tuirt an dall, “Chi sinn.” Fhuair Uilleam Cadman, ann an Lunnuinn, Ontario, seachd bliadhna dhe’n tigh oibreach an la roimhe air son e bhi pòsda tuilleadh ’sa chòir. Phòs e an toiseach anns a’ bhliadhna 1870, agus uaithe sin phòs e seachd mnathan, agus tha chuid a’s motba dhiubh beò fhathast. Taa tri duine fichead cloinne aige. Bha cuid de na mnathan beairteach nuair a phòs e iad, ach cha robh iad mar sin fada. Tha da theaghlach a fuireach anns an aon tigh ann am baile St. John, agus tha nighean bheag anns an darra teaghlach. Aon fheasgar o chionn ghoirid, thainig fear an teaghlaich eile dhachaidh agus aghaidh-choimheach air. Chunnaic an te bheag e, ’s ghabh i leithid a dh’eagal roimhe ’s gu robh i air a bualadh balbh. Cha do labhair i facal uaithe sin, agus tha choltas oirre gu bheil i beagan as a rian. Air an t-seachdain s’a chaidh dh’ fhas bantrach ann am Pitsburg, Pa., tinn, agus bha i sior dhol na bu mhiosa, fad dha no tri lathaichean, agus an sin a reir gach coltais chaochail i. Rinneadh na h-uile ullachadh’ air son a tiodhlacadh, ach direach ’nuair a bhatar a dol a dhunadh na ciste, dh’ fhosgail i a sùilean, agus sheall i mu ’n cuairt. Chuireadh fios air dotair, agus fhuair esan gu robh i beò, agus a nise tha choltas oirre gu’n teid i ni’s fhearr. Tha muinntir a Bhras d’ Oir Bhig agus na Mèinne Tuath ag iarraidh an rathad iaruinn a bhi air a thoirt ’gan ionnsuidh, agus bha coinneamh mhor aca mu dheobhainn aig a Mèhinn a sheachdain gus an dé. Tha iad air son an rathad a thighinn mu ’n cuairt am Bras d’ Or Beag ’sa Mheinn an àite e bhi dol troimh na coilltean faisg air Amhuinn Sheòrais, far nach eil ach gann duine gu feum a chur air. Tha iad ag radh mar an ceudna nach deanadh sin an rathad a bheag sam bith ni b’ fhaide na tha e. Tha muinntir Halifax a’ cur mu dheobhainn càrn chuimhne a chur suas do’n Onarach Ioseph Howe. B’e Howe aon de na daoine bu tapaidhe ’sa b’ fhearr dha dhùthaich a dh’ araich Nobha Scotia riamh. Bha e àireamh mhor bliadhnaicheah na Phriomhair anns a Phàrlamaid, agus aig àm a bhàis b’e Riaghladair na mor-roinne. Bi’dh ’ainm agus cliù air anns an dùthaich so fad iomadh linn ri tighinn, agus tha e gle iomchuidh gu’m càrn-chuimhne air a chur suas dha, cha’n biodh ann a mhàin le muinntir Halifacs, ach le muinntir na mor-roinne air fad. Caradh Uaireadairean fad an da mhios s’a tighinn. GLANADH $0.60 MAINSPRING .60 AN DA CHUID 1.10 Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi. W. H. WATSON. Sidni, C. B. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 182] [Vol. 4. No. 23. p. 6] RIONNAGAN EARBALLACH. Anns na h-earranaibh a chaidh air thoiseach rinn sinn dichioll air cunntas a thoirt air a’ ghrein, agus air na reultaibh agus gealaichibh a ta ’g a cuairteachadh. Nochd sinn meud, astar, agus gluasad nan reult mu thimchioll na greine, agus gach buaidh eile is fios duinn a tha dluth-cheangailte riu. Chunnaic sinn gu’m beil an talamh agus na reultan eile a’ siubhal ann an cearcallaibh mu thimchioll na greine, agus gu’m beil iad a’ criochnachadh an cuairtean ann an amannaibh suidhichte, a ta ’deanamh suas am bliadhnaichean doibh fa-leth. Tha na nithe so uile, uime sin, iongantach annta fein, agus is dall agus neo-mhothachail an neach sin do nach leoir iad chum cumhachd agus gliocas miorbhuileach an Ti sin a dheanamh soilleir, “Aig am beil a shlighe ’san fhairge, agus a cheumanna anns na h-uisgeachaibh mora.” Tha gach reult a dh’ainmich sinn ri’m faicinn o’n talamh ann an ait air bith da’n cuairtibh, agus tha iad gu leir a’ siubhal mu thimchioll na greine ann an cearcallaibh, no air slighibh a tha dluth air a bhi gu h-iomlan cruinn. Ach tha meallan nor soillseach eile ’gan nochdadh fein air amannaibh anns na speuraibh a ta gu h-iomlan eu-cosmhuil ri h-aon air bith a dh’ainmhicheadh, thaobh an gluasaid, an nadair, agus an coslais. Is iad so na Rionnagan-earballach a chithear air amannaibh araidh leis an t-snil luim. Tha na h-earbuill so soilleir mar lasair theine, agus a ghnath a’ dol a mach o na rionnagaibh sin air an taobh a’s fhaide dhiubh o’n ghrein. Tha iad ’a gluasad ann an cuairtibh nach ’eil idir cruinn; oir tha na cuairtean sin air an deanamh ann an cearcallaibh fada, cumhann, a ta ’sineadh a mach air feadh farsuingeachd na cruitheachd. Air an aobhar sin, cha’n fhaicear na rionnagan teinteach so, ach car beagan sheachduinean an uair a thig iad am fagus do’n ghrein. Le luathas do-thuigsinn tha iad a’ siubhal a mach ann an gorm-astar nan speur, agus a’ pilleadh air an ais a ris ’nan amannaibh suidhichte fein. Is miorbhuileach na rionnagan so, à thaobh gach buaidh a bhuineas doibh. Tha iad a’ greasad air an slighibh fein le luathas do-thuigsinn, agus a’ siubhal air an aghaidh air feadh slighean nan reult eile air an d’rinn sinn cheana iomradh; agus tha iad air an suidheachadh co cothromach agus co h-eagnuidh is nach buail iad air aon a’ cheile. Cha’n urrainn teallanaich a dheanamh mach gu cinnteach ciod an stubh dhe’m beil na rionnagan cearbach so air an deanamh suas. Tha cuid anns a bharail gur peileirean cruinn teine iad, agus gur lasair an t-earbull aca, a ta ’ga shineadh fein a mach co fada, a thaobh an luathais leis am beil iad a suibhal. Tha cuid eile an duil gur meallan cruinn talmhainn iad cosmhuil ris na reultaibh, agus gu’m beil iad air an cuairteachadh le adhar teinnteach agus soillseach a ta ’ga sgaoileadh fein nan deigh, agus a’ nochdadh coslais earbuill. An toiseach chithear iad anabarrach beag leis na gloineachaibh-amhairc; ach an uair a dluthaicheas iad a stigh ris a’ ghrein, tha iad a fàs ni’s mo, agus ni’s dealraiche, agus air uairibh, tha sealladh aluinn agus soilleir r’a fhaotainn diubh. Air do na slighibh aig na rionnagaibh iongantach so a bhi co anabarrach fada agus farsuing, rinn an teallsanach Newton a mach gu’m bheil iad a’ siubhal air feadh nan speur, aig astar moran ni’s fhaide air falbh na iomall cuairte Uranuis, agus gum bheil iad a ris air uairibh a’ teachd air an taobh a stigh de chuairtibh Bhenuis agus Mhars. Chunncas rionnag-earballach o cheann naoi fichead bliadhna air ais agus an uair a bha i teann air a’ ghrein, bha Newton a’ deanamh sluaigh cinnteach gun robh a teas da mhile uair nis teotha na iarunn dearg as an teallaich; agus is teas sin a ta do-thuigsinn dhuinne! Tha na reultairean an duil nach lugha na seachd ceud aireamh nan rionnag earballach sin, a tha cuairteachadh na grein’ againne, ach cha’n eil fios cinnteach aca mu thimchioll ach aireamh ro bheag dhiubh so. Tha cuid dhiubh a’ criochnachadh an turais mu’n ghrein ann an da bhliadhna, cuid ann an tri, sea, agus deich bliadhna, an uair a tha cuid eile a’ gabhail tri, ceithir, agus cuig fichead bliadhna, agus tuilleadh, chum aon chuairt a chur air a’ ghrein! Anns a’ bhliadhna 1835, chunncas rionnag-earballach le Halley, agus thugadh an t-ainm sin di; a chionn gur e an teallsair Edmund Halley a rinn a mach gu’n tigeadh i ann am fogharadh na bliadhna 1835. Ceart mar a thubhairt e thainig i agus cha’n eil teagamh nach cuimhne le cuid de’r luchd-leughaidh a’s sine faicinn leis an t-suil luim, anns a’ bhliadhna sin. Tha i so a’ gabhail tri fichead agns cuig bliadhna deug, agus sea miosa chum aon chuairt a dheanamh air chor is nach fhaicear tuilleadh i gus a’ bhliadhna 1911, ’s e sin, ochd-bliadhna deug thar fhichead an deigh so! Gus an do rannsaich na teallsanaich a mach mu thimchioll nan rionnag siubhlach so, bha iad a’ bualadh dhaoine aineolach, agus saobh-chrabhach ann an iomadh aite le maoim agus eagal. Bha iad an duil gu’n robh Dia ’gan suidheachadh anns na speuraibh mar comharan air cogannaibh, air plaighibh, agus atharraichibh eagallach eile; ach gu sonraichte gu’n robh iad air am foillseachadh mar chomharan air breith no air bas dhaoine gaisgeil agus ainmeil! Mar so chunncas a h-aon dhiubh re sheachd laithean an deigh breith Iuliuis Chesair, agus shaoil an sluagh gu’m be anam an ainmeil sin a bh’ann air a nochdadh anns na speuraibh! Chunncas a h-aon eile aig Constantinople anns a’ bhliadhna a rugadh Mahomet. Ghabhadh beachd air rionnag so, Halley cho fad air ais ri sea fichead agus deich bliadhna ro bhreith Chriosd, agus bha i ach beag an sin co dealrach, tha e air a radh, ris a’ ghrein! Chunncas gu tric o’n uair sin i, ach cha robh fios cinnteach m’a timchioll gus an d’rinn Halley a mach a gné. Ma’n d’thainig i o cheann ochd bliadhna deug thar fhichead air ais, bha anabarr eagail air moran sluaigh a bha ’gan deanamh fein cinnteach gu’m buaileadh i an talamh agus gu’n loisgeadh i e gu luaithre! Bha iad fo’n eagal so, a chionn gu’n robh i gu cuairt-shlighe na talmhainn a gearradh tarsuing roimh mheadhon oidhche air an naoidheamh la fichead de’n mhios mu dheireadh de’n fhoghar. Ach ged bha ise gu sin a dheanamh, cha d’ thainig an talamh dh-ionnsuidh an aite ’na chuairt anns an robh an rionnag Halley gu dol tarsuing air a shlighe gu maduinn an 30mh la de cheud mhios a’ gheamhraidh; agus aig an am sin bha’n rionnag co fad’ air falbh a’s nach robh aobhar eagail sam bith aig luchd-aiteachaidh na talmhainn, gu’m buaileadh iad air aon a cheile! Co a’s diona ’na bheachd fhein na’n t-aineolach? An duine a chumas a theangaidh cumaidh e ’chairdean. [TD 183] [Vol. 4. No. 23. p. 7] Fhad ’sa bhios uisge an t-sruthain a’ ruith bidh e glan, soilleir; ach an uair a thig e gu bhith ’na uisge-tàmha tòisichidh creutairean grannda, neò-ghlan ri tighinn beo ann. Na h-iuchraichean a bhios aig daoine ’nam pòcaidean a chum a bhith ’dùnadh agus a fosgladh ghlasan leatha gach latha, bidh iad glan, boillsgeil gu leor; ach ma dh’fhàgar car ùine an crochadh air stob ris a’ bhalla iad, cha bhi iad fada gun fhàs meirgeach. So dìreach mar a tha ’chùis a thaobh beatha ’n anama; ma bhios sin a ghnàth ag oidhirpeachadh gu dìchiollach air a bhith ’toirt ùmhlachd a dh’àintheantan Dhé, bidh sinn ann an tomhas mòr air ar gleidheadh o nithean truaillidh an t-saoghail so. Ach aon uair ’s gu sguir sinn a bhith ’g obair gu dìchiollach ann an seirbhis Dhé, tòisichidh nithean truaillidh, gràineil ri fàs suas ’nar cridheachan. Fàsaidh buadhan an anama euslan agus bidh sinn gun fheum do Dia, dhuinn fhéin, agus do dhaoine eile. Anns a’ Ghearmailt tha na boirionnaich pòsda air an comharrachadh le currachd beag a bhi air ceann gach té dhiubh, agus ’nuair a tha nighean òg a’ pòsadh tha aice ris a’ churrachd a chur suas air latha na bainnse. Ann an cearnan de Ruisia, tha na mnathan pòsda a cosg fiaraig de dh’aodach dubh, agus cha chuir iad ni sam bith eile mu’n cinn eadhon an iuchar an t-samhraidh. Cha’n eil dùthaich ann, an diugh, ach Breatuinn agus an dùthaich so féin anns nach eil eadar-dhealachadh air choir-eigin air a chur eadar na mnathan pòsda agus iadsan nach eil pòsda. Bha am fasan am measg nan Gàidheal, gu feumadh a’ bhean phòsda currachd a chur suas gus o chionn da fhichead no leth-cheud bliadhna air ais, ach ’se ar barail gu bheil iad roimhe so air a leigeadh seachad gu buileach. Anns na bliadhnaichean so thatar air tòiseachadh air deanamh paipeir air fiodh, agus thatar air cur as do choiltean mora cheana. Tha aon phaipear ann am Paris, aig a bheil muillein de luchd-gabhail, a cosg sia fichead mile craobh ghuthais na h-uile bliadhna, agus gach té de na craobhan sin tri fichead troigh ’sa sia a dh’àirde. Ma leanas an obair ud cha’n fhada ’n ùine gus am bi coilltean na Roinn Eorpa air an cur as gu buileach. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 184] [Vol. 4. No. 23. p. 8] EARBSA. Dh’ eirich an fhairge, ’s shéid a’ ghaoth, Is b’ aobhar-oillt an fhuaim, Do n’ h-uile aon ’s an eathar fhaoin, Air faondradh feadh a’ chuain. Ach mac an sgiobair, balachan maoth, Chual’ e, gun gheilt, an toirm; Fiamh aiteis àrd gun robh na ghnùis, Gun smuairean air roimh ’n stoirm. Dh’ fheòraich aon de ’n sgioba dheth, C’ arson bha e cho ciùin: “Chan eagal dòmhsa” fhreagair e, “Tha m’ athair air an stiùir.” Mar so, ’n uair dhìobras sòlas sinn, ’S an cridh’ le dòlas làn, Tha acair dhaingean ann nach tréig; ’S e Dia is Dia a mhàin. R’ ar n-ùrnaigh cromaidh Dia a chluas, Is fuasgladh luath bheir dhuinn; Ar deòir gu aiteas tionndaidh e, Gu aoibhneas fàth ar teinn. Measg àmhgharan an t-saoghail thruaigh, Earbaibh á Dia nan Dùl, Ag ràdh, an là na gaillinn chruaidh, “Tha m’ Athair air an stiùir.” PHARAOH. Faic uachdran na h-Eiphit Air toiseach a shluaigh, Gu bosdail ga ’n treòrach A mach gus a’ chuan; A bhratach a’ srannraich Ri crann aig’ gu h-àrd; Le uabhar a’ tòcadh Air tòir a chuid thraill. Faic na h-Israelich dhìblidh, Fo mhìghean ’s fo bhron, ’S an nàimhdean cho bréun Le aon éigh air an tòir; “An uabhar mo chridhe, ’S le m’ spionnadh ro thréun, Am prasgan so, sguabaidh mi ’N chuan iad gu léir: “Cha téid aon aca, as, Cha mhair iarmad dhiubh beò, Na ’m masladh do ’n righ Is do m’ ìochdarain fòs; Na ceannaircich uamharr’ Le ’n goid is le ’m foill, Nis léir-sgrios is dosgainn Thig orra gun mhoill’.” Na prionnsan ’s am pobull Tha ’n co-bhoinn le chéil’, ’S an rìgh tha ga ’n iomain Mar neach as a chéill; Na carbaid tha ’n deifir, ’S gach stéud anns an tòir; ’S à neart an cuid eachraidh Tha ’m marc-shluagh ri bòsd. Tha iad uile na ’n siubhal, ’S air boile ro chruaidh; Mar chuairt-ghaoith tha ’n imeachd Thar chòmhnard is chruach; Ach sheall Dia ro ghruamach, Bho dhubhar an neòil, Air luchd-casgraidh a shluaigh ’Bha cho luath air an tòir. Ghrad dh’fhosgail e mhuir, ’S sheas na h-uisgeachan suas. Mar bhalla, gach taobh, A chum tearmunn d’ a shluagh; Is pobull Iehòbha, Le muinghin chaidh sios, ’S thar grinneal an aigein Fhuair rathad gu tìr. Fhuair mìltean Chlann Israeil Gu tèarainte nunn; Ach feachdan na h-Eiphit Chaidh fodha ’s a’ ghrunnd; ’S an t-uisge ’rinn seasamh Mar challaid a suas, Air na h-Eiphitich phill Agus sgrios iad na ’n uaill. Fir-chogaidh na h-Eiphit Chaidh fodha gu léir, ’S am bantraichean òga Tha brònach na ’n déigh; ’S a nis air an fheamainn ’Tha sgapt’ air an tràigh, Tha Phàraoh ’s a mharc-shluagh An cadal a’ bháis, Is math an comharra air ni math sam bith nach urrainn daoine deanamh as aonais ’nuair a ni iad blasad air aon uair. ’Sann mar sin a dh’éirich dh’an MHAC-TALLA. Chuir cuid dhe’na thòisich air a ghabhail an toiseach stad air, an duil gu’n deanadh iad a’s aonais, an deigh dhaibh a bhi ’ga leughadh na h-uile seachdain fad bliadhna no dha; ach tha iad a nise air toiseachadh ri ’gabhail as ùr, a lion fear us fear. Dh’fhairtlich orra deanamh as aonais. ’S math leinne am faicinn a’ tigh’n air ais ugainn, ’s tha sinn cinnteach nach misde iad féin e. Bha Carlos, Righ Phortugal, air chuairt ann am Breatuinn o chionn ghoirid agus rinn Ban-righ Bhreatuinn làn dith a bheatha. Bha e air chéilidh oirre ann am Balmoral ’sa Ghàidhealtachd, agus rinneadh gach ni a ghabhadh deanamh an sin chum a thurus am measg nan Gàidheal a dheanamh taitneach dha. Nach e m fiodh bha gann nuair rinn iad thus’ ad phost ’san teampull! Feumaidh fear an aon mhairt a h-aerball bhi na dhorn. Cha robh riamh a ieithid o’n rug an reath an t-uan. Is fada ’n oidhche gu latha aig fear na droch mhnatha. An cron a bhios ’san aodann cha ’n fhaodar fhalach. Cha dean am bodach breug ’sa chlann a’ stigh. Cha mhiste duine de’n donas na chumas na donais deth. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna. [TD 185] [Vol. 4. No. 24. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 21, 1895. No. 24. Litir a Alba. “Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’sa bha e riamh.” MO BHALACH GASDA:—Ged tha mo cheann air liathadh ’s mo chiabhagan air tanachadh, cha’n eil mac màthar ’san dùthaich so leis an fhearr am MAC-TALLA fhaicinn tighinn thun a thaighe na ni. Togaidh mo chridhe ris an uair a thig e. Ged nach ’eil e mòr tha dreach na slàinte air. Agus far am bheil an t-slàinte, an sin tha beatha, agus thig fas is neart ri ùine. Is meirg a bheireadh droch mheas air an òg. Ged a tha iomadh caraid agad air feadh an t-saoghail mu’n iath a ghrian a tha deonach o àm gu àm air sgriobhadh ugad, tha mi ’creidsinn nach misde leat litir fhaotainn o bhodach beag, bochd, liath mar a tha mise. Bha uair a dheanainn sgriobhadh ni’s fearr na ni mi an diugh, ach dh’fhalbh an uair sin, agus cha tig i gu brath tuilleadh. Ged tha crith air tighinn ’nam làimh tha mo cheum cho aotrom ’sa bha e fichead bliadhna roimh ’n diugh. Tha mi nis o chionn corr is fichead bliadhna ag obair air gàradaireachd aig an aon mhaighstir—maighstir, tha mi creidsinn, a’s fhearr a tha ri fhaotainn. Ged is iomadh fear a’s fhear a ni obair na mise cha do chuireadh as an obair mi fhathast. Tha mo mhaighstir a’ faicinn gu bheil mi ’deanamh mo dhìchill a réir mo neart agus m eòlais. Tha mo cho-luchd-oibre anns a’ ghàradh gu math tric a connsachadh rium mu’n Ghàilig. Ged a tha h-uile fear dhiubh a cheart cho Gàidhealach ri fàd mònadh is gann a leigeas a’ mheud-mhòr leotha aon fhacal Gàilig a labhairt. Tha iad a toirt orra fhein a chreidsinn gur i a’ Ghàilig a tha ’cumail dhaoine gun fhàs beairteach. Ach cha thir iad orm-sa beachd mearachdach de’n t-seorsa so a chreidsinn idir. Tha barrachd mòr de dhaoine bochda ann am Baile Lunnain aig nach ’eil facal Gailig na tha ann am measg nan Gàidheal gu leir. An uair a their mi so riutha fanaidh iad ’nan tosd, ach tha iad cho fada ’nam barail fhein ’sa bha iad riamh. Cha’n eil e idir furasda toirt air daoine dealachadh ris na beachdan mearachdach a bha iad ag àrach o laithean an òige. Tha meas gu leòr agamsa air a Bheurla, ach cha’n eil sin a’ toirt orm tàir no dimeas a dheanamh air a’ Ghàilig. B’olc bu chòir dhomh dineas a dheanamh oirre. Is i a’s mò a rinn a dh’ fheum dhomh na ’Bheurla. Bha mi dlùth air fichead bliadhna dh’aos mu’m b’aithne dhomh ach gann mo dhinneir iarraidh an am Beurla. Cha do chuir m’eòlas air a’ Ghàilig call riamh orm. Bruidhnidh mo mhaighstir math rium anns a’ Ghàilig, ach is gann a their mo cho-luchd-oibre aon fhacal rium ann an Gailig. Is e am maighstir mòran is iriosaile na na seirbhisich. Thachair duine còir rium o chionn ghoirid, agus chomhairlich e dhomh teannadh ri sgrìobhadh litrichean ugad. “Tha thu,” ars’ esean, “gu math sean ’sa cheann, agus tha deagh chuimhne agad. Tha gliocas ’na do cheann ma bhios e ann gu brath.” “Cha’n eil mòran gliocais ’nam cheannsa; ach beag no mór e tha mi deonach a chompàrtachadh ri neach sam bith leis an aill mo ghuth èisdeachd, no mo bhriathran a leughadh.” “Tha thu ni’s glice na fear a’s gòraiche na thu,” ars’ esan. “Tha sin fior gu leor; ach cha dubhairt sin gu bheil mi cho glic ’s gur fhiach mo chainnt a bheag de gheill a thoirt dhi. Faodaidh gu meas daoine eile mar amaideas a’ chainnt a mheasas mise mar ghliocas.” “O’n a theid agad air Gailig a sgriobhadh ceannaich paipear, agus sgriobh litir an drasta ’sa rithist a dh’ ionnsuidh a’ MHIC-TALLA, am paipear gasda a tha iad a’ clo-bhualadh ann an Ceap Breatunn. Theid mi an urras gu leugh na Gaidheil a th’ann an America a h-uile facal a sgriobhas tu,” ars’ esan. An uair a chuala mi so thuirt mi ris gu’n gabhainn a chomhairle. Mur urrainn mi naigheachdan ùra a chur a dh’ionnsuidh cuiridh mi seann naigheaced ugad. Tha an oidhche air fàs fada, agus mar sin bidh barrachd ùine agam gu sgrìobhadh na bhios agam an uair a thig an t-earrach. Ged tha obair gu leòr ri dheanamh anns a’ ghàradh tha’n reothadh cho cruaidh ’s nach teid agam air car ruamhair a dheanamh. Thainig an reothadh oirnn ni’s traighe na b’àbhaist dha. Tha mi an dòchrs nach bi e cho teann ’s cho buan ’sa bha e an uiridh. Ach ma bhitheas feumar cur suas leis. Tha mi ’creidsinn gu bheil reothadh gu leòr agaibh ann an America. Ach tha sibh cho cleachdaidh ris ’s nach cuir sibh a’ bheag a dh’ uidhireachd air. Cluinnidh tu uam gun dail. Is mi do charaid. BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha. La-Fheill Andrais, 1895. Ann an Siam, tha na cuileagan cho pailt an teas an t-samhraidh ’s gu bheil e air a chur mar fhiachaibh air na saighdearam cuideachadh ri cur as daibh. Tha aig gach saighdear ’san rioghachd ri uiread dhiubh ’sa lionadh bocsa beag a ghlacadh ’sa marbhadh a h-uile latha. A CHOISIR CHIUIL.—Tha a Choisir-Chiùil againn a rithist, agus theid againn air an cur air adhart ga’n ionnsaidh-san a choisinn iad gun dàil. Cuimhnicheadh ar luchd-leughaidh gu’n cuir sinn pàirt gu neach air son aon fhear-gabhail ùr, agus na tri pairtean air son a dha. [TD 186] [Vol. 4. No. 24. p. 2] COMHRADH NAN CNOC. (Bho ’n Teachdaire Ghaidhealach.) Para Mor, Fionnladh Piobaire, agus Mor Og. FIONN.—Cò tha againn ’an so a Phàruig! Ma ta is fada o chunnaic mi fein bean uasal a’ tèarnadh a stigh an catha ud roimhe. PAR.—Tha dà latha uaithe ma chì thu ’n diugh i; tha uat a bhi shuas no bithidh othaisg ’s an dris. Cha math a fhreagras an sròl uaine ud am measg na droighinn. Nach dubhairt mi riut? Seall an tràs i. O! lan nam beannachd do’n droiginn—’s minic a chuala mi gu’n robh i gun eiseimeil—’s ’gu dearbh tha mo chead aice. FIONN.—Ud! ud! a ghoistidh, cha dubhairt thu riamh a leithid. A cheart rìreadh a thà mi, tha uainn dìreadh ’n a còdhail. PAR.—Ma ta cha téid mo chas ged a bhiodh i snìomh ’an sud gu latha; ach ma tha truas agad rìthe, theirig ’s an eadriaiginn—éudail—’s tusa dh’ amais air a’ mhnaoi-uasail—tha e coltach gur ann agad fein a tha ’m beachd oirre. ’S e sin thus’ a bhi co tric ’an cuideachd nan uaislean. Am beil cuimhn’ agad air an té d’an do sgrog thu do bhoineid an là a ràinig sinn Glaschu? FIONN.—Falbh! coma leat sin an tràs—cha’n ionann so agus Glaschu—is bean-uasal a tha’n sud, no tha mise meallta. PAR.—An cuala tusa, ghoistidh, “Sìoda air cabar, agus bithidh e briagha”—sid agad e. Na’m bitheadh i sid uasal, bheirinnsa urram na h-uaisle dh’ i—ach mu tha faodar sgur da’n ghnothach. Am beil thu idir ’g a h-aithneachadh? Nighean bràthair Fhionnlaidh Phìobaire, a’s nighean piuthar Phara Mhòir! Cha ’n ’eil fhios c’aite ’m beil fear-na-bainse? ach cluinnidh sinn. Is math a tha fhios agam an taobh a thug e ’àghaidh an diugh. FIONN.—’N ann a cheart rìreadh a tha thu? Ma ta, mar thuirt thu fein ris an tailleir Ghallda, “is e’n gille ’n t-aodach”—ach ’s i Mòr a tha’n so, co dhiubh. Fàilt ort a Mhòr—bu mhithich dhut tighinn air do shean eòlas. PAR.—Am beil thu ann a Mhòr? Bha eagal oirm gu’n caileadh tu’n rùsg ’s an dris. Cha b’fheaird thn ’n teadhair uaine sin slaoda riut ’s a’ chatha dhroighinn—theab i cipein a chur ort. MOR.—Tha e coltach nach féumadh daoine aodach decent sa bith a chur orra ’s an dùthaich so. PAR.—Tha iunndrain agads’ air a’ Ghalldachd, agus air na cabhsairean. Is tus a dh’ fhaodas a ràdh—leis an sgeulachd, Gu’n deach thu air do thuras le brògan paipeir mu d’ chasaibh. Cha mhoth a fhreagras na leòban sin ’s na sgrìodain. Bheil fios agad ciod a tha Fionnladh ’n so ag radh? Tha, gu’m b’ fhèarr leis gu’n tugadh tu dha stiall de’n riobain sin air son na pìoba—’s gu’n gléusadh e i air do bhainis a nasguidh. MOR.—O Uncle! is droll an duine sibh! bithidh sibh daonnan ri fun, ’s ri magadh. PAR.—Bithidh a Mhòr. Am fasan a bha aig Niall, bha e riamh ris. Ach an saoil thu, a Ghoistidh, nach ’eil sid gu math. Uncle, ars’ ise! Nach iongantach nach dubhairt i, Mr. Finlay, agus Mr. Peter, mar thuirt am Bodach Gallda. FIONN.—Ud, a Phàruig tha thu tuille ’s cruaidh air Mòir bhochd, a’s i air ùr thighinn dachaidh; nach ann is math leat i labhairt Béurla? Ciod a bheireadh daoin’ òg gu Galldachd idir mur togadh iad beagan d’i. MOR.—Gu dearbh a dhuine is math a dh’ fhàg sibh e. Abraibh sin—tha e coltach, ma’s fior esan gu’n robh e cho math dhuinn fuireach aig an tigh. PAR.—Cha’n ’eil fhios agam nach robh cuideachd, a bhuinneag, air dòigh no dhà—ach Fhionnlaidh, an saoil thu nach faod daoine Beurl’ ionnsachadh gun a’ Ghailig a dhichuimhneachadh. Labhradh i Beurla a’s neorthaing mar cum sinne rithe mar is urrainn duinn—ach is coma leam an cothlamadh mosach, mi-chiatach a tha nis aig a h-uile fear a’s té air an dà chànan. FIONN.—Ciod tha ris a sin, a mhic chridhe, ach an cleachdadh? MOR.—Ciod eile, a dhuine, ach an cleachdadh? An saoil sibh an amais mis’ a nis air’ Ghailig? PAR.—Cha’n amais, mo thruaighe! Cha’n iongantach sin! Théid an cleachdadh mar an dùthchas, an aghaidh nan creag. Cha’n iongantach leam idir mar a dh’ éirich dhut. Bha thu trì ràidhean air Galldachd, ag cagnadh ablaich de Bhéurla—’s cha robh thu ach deich bliadhna fichead ’s a’ Ghaidhealtachd, a’ sgoltadh cainnt d’athar ’s do sheanathar. Ach ma chaill thusa, Mhòr. do Ghàilig ’s i mo bharail-sa gu’m faod thu radh, mar thuirt a’ Chailleech a h-eab a bruidhinn a chall, ’nuair a chaidil i fa chomhair na gréine, “An cnocan, an cnocan.” ars’ ise gu leodach,—“far an do chaill mi mo Ghàilig—’s far nach d’ fhuair mi mo Bhéurla.” FIONN.—Ach cha ’n ’eil fhios, a Phàruig, nach ’eil a’ Bhéurla na’s pailte aig Mòir na tha dùil agadsa. PAR.—Cha ’n ’eil fhios nach ’eil—ach chì mi gur h-ann mar is lugha tha aig daoine dh’i is bitheant’ a tha i ’n a gurracaig mhosaich an uachdar gach seanachais—dìreach mar tha’n rìomhadh gu léir air an druim—’s ann mar sin a tha Bheurla gu leir daonnan air an teangaidh. Nach feuch an cluinn thu iad air feadh a chéile aig a’ mhaighstir-sgoile; is fada m’an cluinn. Coma leat—mar thuirt an t-amadan e, “An la bhios sin ri orach bitheamaid ri h-òrach—an uair bhios sinn ri maorach bitheamaid ri maorach.” An uair a bhios sinn a, bruidhinn Béurla, bruidhneamaid Bèurla; ach an uair a tha sinn a’ bruidhinn Gailig, labhramaid Gailig. Is don’ a fhreagras ad a’s casag ort fein le d’ fhéile ’s le d’ osain; is ceart cho mì-chiatach leam fein a Bhéurl’ agus a’ Ghailig a bhreacadh—fòghnaidh sid d’e. Tiugainn, a Mhòr, dìreamaid a dh’ ionnsuidh an tighe, ’s mur tuig thu Gailig, ni ’bhean do bheatha ’s a’ Bhéurla chruaidh Shasunnaich ’s fearr a tha aice. MOR.—Bha gnothach beag agam ribh fein agus ri bràthair m’ athar an so, ’s o’n a dh’ amais mi oirbh cha bhi mi taoghal gus am till mi. Bha toil agam dìreach mo chomhairle chur ribh m’an ghnothach so tha mi cinnteach a chuala sibh fein a bha ’mi dol a dheanamh. PAR—Dìreach—Cò b’fhearr gu fiosachd na Coinneach Odhar? Bha fios agam fein gur h-ann mar so a bhitheadh—an geall thu gu’n gabh thu comhairle? Is minig a thainig comhairle an rìgh á beul an amadain—’s na’m biodh tus’, a Mhòr, a bhuinneag, air a’ chomhairle mu dheireadh a thug mise dhut, a leanailt, bha thu’n diugh gu socrach, cothromach pòsda ri Eobhan ruadh, ’s cha’n ann mar tha thu ’am beul an t-sluaigh, le sìochaire de Ghall lachdunn—ad bhristeadh-cridhe do’n bhantraich bhochd is [TD 187] [Vol. 4. No. 24. p. 3] màthair dhut; ’s ad thàmailt do gach aon a bhuineas dut. MOR.—Eobhan Ruadh! thug sibh coimeas domh gu dearbh. Gu dearbh cha’n ’eil farmad agam ris an té a fhuair e. Cha b’ ann le leithid a’ chithteadh, an cuideachd, no an clachan mi. Mac an dubh choiteir. FIONN.—Mac an duine chòir, chneasda; ach innis so, a Mhòr, Cò b’athair do’n fhleasgach so a tha ’d chois fein? Eudail b’fhad o chéile crodh-laoigh ur dà sheanathar, ’s mi tha cinnteach. PAR.—Cha’n ’eil fhios aicese, mo thruaighe, an robh a’ chearc a sgrìobadh an dùnan aig ’athair, no aig a sheanathair, gun tighinn air crodh-laoigh. Ach gu dearbh ma bha crodh-laoigh aig ’athair, tha bhuil airsan gu’n do chuir iad an dìosg gu math tràth e. Is glas an neul a th’ air an deòra thruagh—dìreach mar gu’m faigheadh e ma sgaoil á priosan. Cha’n ’eil fios an aithne dha fein cò a b’ athair dha. MOR.—Is e fein a tha mis’ a’ dol a phòsadh, ’s cha’n e athair no mhàthair; ’s ma tha esan gu math, tha e coltach gur coma mar bha iadsan. FIONN.—’S eadh—an e so e’n tras? Cha choma, Mhòr, is minic a bha laogh math aig bò chrotaich, ach air a shon sin ma ’s i mart fein a tha mi ceannach, is math leam i bhi de shìolach math: ’s gu cinnteach bu tàmailt do d’ athair còir a tha sinnt’ anns an ùir gu’n abradh iad ogha mèirich ri d’ leanabh. Cha ’n e air a shon sin nach faod an gille bhi math, agus de dhaoine matha, ach gu dearbh ma tha, a bhuidheachas sin da fhein—’s cha’n ann dutsa, a Mhòr, a ghabh leis gun eòlas, gun aithne air fein no air a mhuinntir. Ach am beil a bheag air aige? PAR. Innsidh mise dhut mar tha sin—fhad ’s is léir dhomhsa. Tha aig ’n Umbrella riomhach ud a tha fo ’achlais—agus a’ chasag odhar a tha slaodadh ri dha shlinneig, mar gu’m faiceadh tu sean aodach air stob, no air sgàth am an eorna—agus mar thuirt an t-òran, Gun fhios a beil n’a phoca Na dh’oladh a deoch-slainte. MOR. Mur ’eil cèird no stòras aige, tha rud is fearr aige—modh a’s ionnsachadh, ’s bheir e e fein as gach cuideachd le ceòl ’s le conaltradh. FIONN. Tha’n t-ionnsachadh gle mhath, a Mhòr, ach dh’ fheumadh an saoghal so beagan de anns ’n a lamhan, cho math ris a’ cheann. Air son modh dheth—tha e gle mhath a rithist—ach ’s minic a chunnaic mi’n duine bha math gu thoirt fein á cuideachd, gu’n robh e mutha ’s math gu chur fein ann—agus air son ciùil deth—tha e glé thaitneach dhaibhsan a tha ’g a éisdeachd; ach creid thusa mise, cha’n ’eil e ro tharbhach dhasan a tha ’g a chluich—mo chreach, ’s ann agam tha fios! PAR. Nach abair thu ’n sean-fhocal, a Ghoistidh. Cha mhinic a bha moll aig sabhal Pìobaire. Ach cia air bith mar tha sin, cha ’n ’eil dùil agam gu’n dean am fear ud a lòn le binneas a bheòil, no gluasad a mheur am feasd. Mur dean e Drumair beag do na Volunteers, ma théid iad air an cois a ris, cha’n ’eil fhios agamsa ciod tuilleadh a tha air a shon—am fearagan bochd. MOR. Falbh! cha’n ’eil dùil agam gu’m beil e ’an comain ur molaidh, co dhiubh. Bha teagamh agaibhse anns na Goill riamh. Is sibh a bha coimheach riutha. An saoil sibh nach faodar amas air duine math idir ’n am measg? PAR. Cha’n ’eil, a Mhòr, mas anns a’ bharail sin. Faodar amas air daoine còir ’n am measg, agus air daoine fiachail—ach am fear a ghabhas leis a’ cheud iasg a thig air a dhubhan, cha’n ’eil fhios nach fhaigh e dallag. Agus an té a ghabhas le fear sa bith a thig ’n a tairgse, ma dh’ fhaoidte gu’m faigh i biasd—agus mar d’fhuair thusa biasd, a Mhòr, thoill thu e. Ghabh thu leis gun eòlas air fein, no air a mhuinntir. Gun chomhairle chur ri mathair no ri cairdean, chuir thu thu fein am beul an t-sluaigh, mu’n robh thu ’m beul a’ Chleirich—agus ged a chi thu bean a’s clann a’ tighinn air a dheigh an ceann ràidhe, mar thachair do’n te a phòs am marsanta mòr an uraidh, ’s math an airidh. Is tu fein an òinseach bhochd, shocharach mar bha thu. Sin agad sin. Gabh ’s an t-sròin no ’s a’ chluais e. Ach thoir ort, ruig an tigh—ma tha na mnathan ’n an abhaist, theid iad na ’s faide ad leisgeal na theid sinne. MOR. Ma ta olc mhath ’s mar rinn mise tha mi ’m barail nach b’ uilear dhaibh sin—is gabhaidh mi ur comhairle an fhad so, co dhiubh—gu’n robh maith agaibh air son ur caoimhneis. FIONN. Dh’fhalbh i ghoistidh—’s cha’n ’eil i toilichte, ach bitheadh aice—rinn thu cheart chòir beagan de’n fhirinn innse dh’i; ach ciod am math a ni e—tha i nis am beul an t-sluaigh, agus cia air bith mar tha’n Gall, feumaidh i bhi gabhail leis. PAR. Feumaidh, feumaidh, cha’n ’eil ach an suaineadh an luib a chéile, ’s e sin ma chi am ministeir iomchuidh sin a dheanamh; ’s cha ’n ’eil fios agam cuideachd. FIONN. Ach an saoil thu, a ghoistidh, nach féumar sealltainn riutha. Ged a bha i fein socharach ’s i nighean a h-athar ’s a màthar i, feumar cuideachad hleatha. PAR. Nach e sin, a mhic chridhe, a’ chomhairle bha dhìth oirre. Tha teann air tuarasdal leth-bhliadhna crochte ri dà chluais; ’s ciod a nis a théid ’n a beul. Ach na’m bu ghille measail a bha i faotainn, cha bu ghearan sin, ge b’e ’ait as an tigeadh e, ach an siochaire beag lachdunn. ’S mòr leam, ge beag e, amhach circe shineadh air a shon—’s gun fhios co è. FIONN. Cha’n ’eil atharrachadh air a nis, ach an dreach is fearr a chur air a’ ghnothach. Ach gu dearbh ge nach àbhaist domh mo chlann a leigeil gu bàinis; leigidh mi ’n sid iad. Ma tha mothachadh aca bheir sid an sùilean daibh. Tha mi air m’ oillteachadh an leigeil as mo shealladh, gun fhios nach éirich tubaist daibh. FIONN. Ma shaoileas tu gu’n dean e féum trus a h-uile nighean ’s an dùthaich ann; ach cha dean—cha’n ’eil annt’ ach na dall-chuileineam thall ’s a bhos. Ach coma—mur seall iad rompa—seallaidh ’n an déigh—ach tiugainn a dh’ fheuch ciod a ghabhas deanamh; ’s gu dearbh ’s beag a tha de shunnd bains e orm, An oidhch’ a rinn iad a bhainis, ’S truagh nach i’n fhairire bh’ann. PAR. Thachair e dhomh, ach cha’n ’eil atharrachadh air. A Mhòr! a Mhòr! mo thruaighe bochd! cha robh thu riamh ’s an dris gus a nis. FIONN. Tha e coltach; ach mar thuirt Iain amadan e ’n uair a ghabh e air fein, Cò air a rinn thu sin? Ort fein, a ghràidh. ’S i fein a dhìolas air, air a cheann fa dheireadh, ged a thug i tàmailte dhuinne ’s a cheud dol a mach. J. M’L. [TD 188] [Vol. 4. No. 24. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DECEMBER 21, 1895. Bha aimsir gle fhliuch againn fad an fhoghair. Fhuair daoine an t-arbhar a chur fo dhion gun mòran domail sam bith. Ged a bha uisgeachan troma ann, bha, mar bu trice, smuid mhath air a’ ghaoith, agus mar sin sheas feur is arbhar ris gu math. Bha coltas math air a’ bhuntata, agus mur b’e gun do ghrod mòran de mu’n do thogadh e, bhiodh e cho pailt ’sa bha e o chionn iomadh bliadhna. Cha robh a bheag ri fhaicinn de’n ghaiseadh ann an àite sam bith. Ach le meud nan uisgeachan ghrod e far an robh talamh trom tais. Tha deagh phrìsean air crodh air son am mharbhadh. A dh’aindeoin na tha de chrodh reamhar a’ tighinn a nall ugainn á America tha prìs na feola a’ fuireach àrd gu leòr. An uair a b’ìsle a bha prìs a chruidh ’s nan caorach bha na feoladairean a’ cumail suas na prìse gu math. Feumaidh gu robh iad a’ deanamh buannachd mhath ged a bha daoine bochda nam bailtean-mora agus na dùthchadh a’ fulang calldachd nach bu bheag. Chaidh bàta-smuide a bha air a turus a Montreal gu ruige Libherpol a bhristeadh ann an caolas Cholla o chionn seachduin. Chaill an sgiobair a chùrsa le ceò ’s le dorchadas a bh’air an iarmailt fad latha no dha. An uair a bha e an dùil gu robh e dlùth air Eirinn is ann a bha e dlùthachadh ri Colla ’s ri Tiriodh. Tha caolas Cholla cho salach ’s nach gabh sgiobair sam bith do’n aithne an t-àite os laimh seòladh troimhe ach air an latha, agus an uair a bhios am muir-làn ann. Ach gu h-iongantach, chaidh an long mhòr so a bha giùlan corr is ceithir mìle tunna de luchd, troimh an chuid bu mhò de’n chaolas mu’n do bhuail i air sgeir. A bharrachd air ceithir mile tunna de bhathar de gach seorsa bha còig ceud gu leith de chrodh innte. Bha leith cheud de sgiobadh oirre. Shàbhail a h-uile duine dhiubh. Thilgeadh an crodh thar na cliathaich agus shnàmh cuid diubh do Cholla, agus a’ chuid eile do Thiriodh. Am measg na bha de luchd air bord bha fichead mile mulchag chàise. Tha dùil aca a’chuid nach deachaidh o fheum de’n luchd a thoirt air falbh do’n Ghalldachd. Cha’n ’eil an t-iasg cho pailt am bliadhna ’sa b’àbhaist dha bhith. Tha daoine a’ smaointean gu bheil na h-iollachan iasgaich air am milleadh aig na bàtaichean-tràlaidh. Tha lagh na rioghachd a’ toirt cead do na bàtaichean so a bhith tràladh an taobh am muigh de thrì mile o’n chladach. An uair a gheibh iad an cothrom tha iad a’ tighinn gu math ni’s fhaisge na sin air a’ chladach. Sgrìobaidh iad leotha anns na tràlaichean gach iasg beag is mòr a thig ’nan rathad. Ged a tha bàtaichean a’ chùin mu’n cuairt nan eileanan gus na tràlairean a chumail air an criochan fhein, gidheadh tha iad gu math tric a’ deanamh dolaidh mhòr do’n iasgach. Chaidh a còig no sia dhiubh a ghlacadh ag iasgach an taobh a staigh de na crìochan o’n a thainig am foghar, agus chuireadh càin throm orra. Tha cleas muinntir an smuglaigidh aca, an uair a ghlacar iad ’sa chuirear càin orra, tha iad na dheigh sin ni’s miosa na bha iad riamh. IAIN. Ma bhios bàn-righ Victoria beò gus an treas latha fichead de mhios meadhonach an fhoghair s’a tighinn, bi’dh i ni’s fhaide ’sa righ-chathair na bha gin de righrean Bhreatuinn riamh roimhe. Tha i cheana ’sa chathair ni’s fhaide na bha gin roimpe ach an III Deórsa, a bha na righ tri miosan thairis air leth cheud bliadhna ’sa naodh. O’n chaidh i air a chathair chaidh na Priomh Mhinisteirean atharrachadh naodh uairean deuga. ’Se ’n diugh an latha ’s giorra dhe’n bhliadhna, mar is e ’n aonamh latha fichead de Iùn an latha ’s fhaide. An deigh so bidh an latha dol beagan ni’s fhaide. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 189] [Vol. 4. No. 24. p. 5] NAIDHEACHDAN. Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh milleadh mor air soithichean. Tha cuid ag radh gur h-i stoirm bu chailltiche thainig o chionn aireamh bliadhnaichean. Mu’n tig an ath àireamh dhe’n phaipeir so a mach, bi’dh an Nollaig air tighinn ’s air falbh. Tha MAC-TALLA a’ guidhe NOLLAIG CHRIDHEIL dà chàirdean ’s d’a luchd-eòlais uile. Tha ’n eogadh a dol air adhart ann an Cuba. Cha’n eil a choltas air gu bheil taobh seach taobh a gleidheadh moran, ach tha aon ni cinnteach, nach eil an Spàinn a teannachadh a greime air an eilean idir. ’S i ’n sgeul mu dheireadh a thàinig mu’n cuairt, gu bheil i a’ feuchainn ri Cuba iomlaid ri Breatuinn air aon Gibraltar agus àite no dha eile. Cha’n eil fhios co-dhiu tha no nach eil an sgeul fior, ach bu mhath do Chuba an latha rachadh an iomlaid a dheanamh. Thainig fear Domhnull Mac-a-ghobha, a mhuinntir Cheap Breatuinn ri bheatha féin ann an Nanaimo, B. C., o chionn ghoirid. Bha e ri ceannachd anns a bhaile sin, agus thatar a deanamh mach gu’m b’e gnothuichean a dhol cearr air bu choireach e chur as da féin. Tha Sultan na Tuirce fhathast a’ cumail beul briagha ris na rioghachdan eile leis ’m bu mhiann casg a chur air an dòrtadh fala ann an Armenia. Ach a dh’ aindeoin sin, tha e coltach gu bheil an obair fhuilteach a a’ dol air adhart gun lasachadh sam bith. Thainig bàs glé aithghearr air fear Beuiamin Burchell (clachair), ann an Louisburg Di-màirt s’a chaidh. Bha i aig obair mar a b’ àbhaist da ’nuair a bhrist cuisle na cheann a’ toirt a bhàis an ùine glé ghoirid. Bha a dhachaidh ann an Seana Bhridgeport, Bha e air a thiodhlacadh Dior-daoin leis na Saor Chlachairean. Bha eòlas farsuing aige, agus bha e gle mheasail aìg na h-uile. Tha bruidhinn an dràsda air cuideachd làidir a dheanamh suas air son mèinn chopair Choxheath oibreachadh le neart. Tha iad ag iarraidh cuideachadh o luchd-riaghlaidh Chanada, agus ma gheobh iad sin theid iad air adhart leis. Tha iad ag radh gu’n cuir iad suas togalaichean agus uidhean leaghaidh a chosgas muillein dolair. Nan tigeadh sin gu crich bu mhath d’an dùthaich e. Di-luain s’a chaidh bha soitheach Gearmailteach, luchdaichte le olla, air a cur na h-éigin leis an stoirm a mach o chladach New Jersey, agus bha an sgioba ’ga fàgail ’sa dol air bòrd soitheach Breatuunach a thachair oirre. Am feadh ’sa bha iad a’ deanamh sin, ghreimich an teine air dòigh eigin air an olla, agus chaidh an soitheach a smùideadh as a chéile. Bha an sgiobair ’s a tri deug dhe na daoine air bòrd aig an àm, agus chaill gach aon diubh a bheatha. Bha sianar dhe’n sgioba air a dhol air bòrd an t-soithich Bhreatunnaich, mu’n do thachair an sgiorradh; agus fhuair iad sin as. REIC A MACH. Tha D. J. Domhnullach, Wentworth House, a reic a chuid Bathair, Tioram us eile, air na chosg e. Tha so ’na chothrom math dhaibh-san a tha air son bathar fhaotainn na’s saoire na bha e ann an Sidni riamh roimhe. Gheibhear aodach air son deiseachan bhan, cloimh uile, leud dubailte, air 18c an t-slat. Seorsa math eile air 14c an t-slat. Agus gach ni eile air reir sin. Feumaidh am bathar uile bhi air a reic. Tha Aonghas D. Gilbert, duin’ òg a mhuinntir Nobha Scotia air a dhitteadh gu bàs ann am Boston air son mort. Mhurt e nighean bheag, Alice M. Sterling, aois ochd bliadhna deireadh an earraich s’a chaidh. Cha deachaidh e as àicheadh gu’n d’ rinn e an gniomh oillteil, ach bha na fir-lagha a feuchainn ri thoirt saor a chionn gu robh an daorach air aig an àm. Cha ghabhadh ceartas a leisgeul air son sin ìdir, agus tha e ri bhi air a chrocradh air an aonamh latha fichead do cheud mhios an earraich. PEARSANTA. Tha Bean Dhomhnuill Chaimbeil, a Lakota, Dakota, ann an Sidni air an t-seachdain so ag amharc air a càirdean an deigh dhi bhi air falbh fad cheithir bliadhn’ deug. Is piuthar i do bhean Chaiptean Alasdair Domhnullach aig na Narrows Bheaga. Tha a càirdean uile ro-thoilichte a faicinn ’nam measg. Bha dithis ghillean ann an Colburg, Ontario, a mach a’ sealgaireachd mhaigheach an la roimhe, agus thòisich iad air an gunna thoirt bho chéile. Anns an iomairt a bh’ aca dh’ fhalbh an urchair, a dol troimh-amhach fir dhiubh, agus chaochail e ’n ceann beagan mhionaidean. BAIS. Ann an Stewartdale, Hogomah, air an t-siathamh latha de’n mhios, Anna Dhùghlach, bantrach Ghilleasbuig Dhomhnullaich (eildear) ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Ann an Sidni Tuath, air an ochdamh latha deug dhe’n mhios, Caritiona, bantrach Dhonnachaidh Gillios, ceud bliadhna ’s ochd miosan a dh’ aois. Rugadh i an eilean Bharraidh. Aig Orangedale, air an treas latha de’n mhios, Bantrach Ghilleasbuig Mhic Phàil. Rugadh i anns na h-Earadh, agus thainig i nall do’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1827. Bha i ’na boirionnach cliùiteach, agus measail aig gach aon a chuir eòlas oirre. Bha i ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’aois Ann a Halifax, air a choigeamh latha fichead de Nobhember, an deigh tinneas fada air a ghiulan gu foighidneach, Lachuinn Uilleam Mac Calldair, aon mhac Aonghais Mhic Calldair, an Orangedale, anns an treas bliadhna fichead de ’aois. Dh’ fhàg e moran chàirdean us luchd-eolais a’ caoidh a bhàis Chaochail fear Uilleam Mac Coinnich air Beinn nan Gearrloch air an aonamh latha deug dhe’n mhios so an deigh dha aoìs ceud bliadhna ’sa naodh a ruigheachd. Rugadh e ann an Gearrloch, ’sa Ghàidhealtachd mios deireannach an t-samhraidh ’sa bhliadhna 1786, agus cha robh e latha tinn re ’uile bheatha gus an latha chaochail e. B’ fhior Ghàidheal e a bha gabhail tlachd mor ann an eachdraidh ’san claachdaidhean a dhùthcha. Bha e ’na dhuin’ onarach, clìùiteach air an robh deagh mheas air na h-eòlaich. [TD 190] [Vol. 4. No. 24. p. 6] SEANN SGOIL. Cha’n abradh fear-turuis, ma dh’ fhaoidte, gu’n robh an tigh air a thogail an aite ro thaitneach. Cha robh beanntan arda, no glinn fhasail, no coilltean dosrach ’san t-seàlladh, no iomadh ni eile a bheireadh aoibhneas do’n t-suil. Ach bha’n tigh goireasach air na sgoilearan; ’s bha reidhlean gorm air gach taobh dheth air am faigheadh a’ chlann comas cluiche g’an toil; bha lochan uisge fa chomhair a bhiodh miaghail ris an reothadh; ’s bha geodhachan uaigneach mara dluth air laimh mar gu’m biodh iad air an cruthachadh air son balaich a mhealladh air snamh. ’S cha robh ’an sealladh mu’n cuairt’ lom, cianail, mar a chitheadh am fear-turuis e, gun a luach fein an suilean a’ bhalachain a chaidh arach ’san aite. B’e dhachaidh e; agus do bhrigh so bha gach cnoc, a’s allt, a’s leanag ni bu mhaisiche leis-san n’an aon aite a b’aillidh’ air an do dhearrs grian riamh; chor ’s gum faodadh e ’radh, gun toibheum, mu dhachaidh mar thuirt an Salmadair mu Shion: Oir t’oglaich tha a’ gabhail tlachd ’Na clachaibh breagh gach uair; Tha deagh thoil aig do sheirbhisich D’a luaitbre a’s d’a h-uir. A thuillidh air so, chiteadh air gach laimh seallaidhean a thogadh inntinn an sgoilear o dhleasdanas an la. An sud traigh, nach taghail an t-iasgair fathast ach fo gheilt, air an do chuir a shinnsearan blar fuilteach a’ dion an dachaidh o choigrich a’ chuain; an so Dun, le fhrogan dorcha comhdaichte thairis “le foghnan, fraoch, a’s fòlach,” a’ toirt dearbhadh follaiseach air na naigheachdan a dh-innseas sean daoine mu na linntidh an-iochdmhor a threig; ’san tolman uaine ud mu’n cuairt do larach an teampuill tha aithrichean air an tulgadh nan codal siorruidh le monmhor an t-sruthain air a mhuchadh le buille trom na tuinne air an traigh. Fa chomhair tha Cuan mor na h-airde an Iar, an comhnuidh a’ dusgadh suas uamhunn, ioghnadh, a’s ard-thoilinntinn, co-dhiubh a chithear e air a luasgadh le doinionn a’ gheamhraidh, no ’codal gu seimh fo ghrian an t-samhraidh, no mar a chunnaic priomh Bhard ar duthcha gu minig e mu’n do sheinn e cho oirdhearc mu’n “ghrein ’si gu laidhe ’sa chuan:” “An d’fhag thu gorm-astar nan speur, A mhic gun bheud, a’s òr-bhuidh ciabh? Tha dòrsan na h-oidhche dhut fein, Agus paillium do chlos ’san iar. Thig na stuaidh mu’n cuairt gu mall, A choimhead fir a’a glaine gruaidh; A’ togail fo eagal an ceann; Ri d’fhaicinn cho aillidh ’nad shuain, Theich iadsan gun tuar o’d thaobh, Gabhsa cadal ann ad chòs, A ghrian! a’s till od’ chlos le h-aoibhneas. Cha’n fhaicear, taing do’n Fhreasdal, ach ainneamh a nis coimeas do’n fhardaich ris an abairte an Tigh-sgoil. Tigh fada, farsuing, dorcha le bhallaichean iosal de chloich ghlais nach do ghearain air buillean an uird, air an salachadh air an taobh muigh le criadh air an taobh stigh air an dubhadh le toit. Dorus air gach taobh do’n tigh ach gun chomhla mar bu tric ri aon dhiubh. Chiteadh ’sa gheamhradh sgathaich fhraoich ri taobh an fhuaraidh de dhorus an t-soirbheis air a cumail na seasamh le cas camain. Rachadh an sgathach a chaitheamh a lion beagan a’s beagan a’ lasadh an teine; ’s bhiodh a’ sin boitein connlaich a’ gleigheadh fasgaidh gus an tigeadh mart no each miomhail an rathad a dh’itheadh e. ’San t-samhradh bha’n tigh fosgailte gu farsuing, fialaidh do sgoilearan de gach seorsa. Urlar de thalamh fuar, fliuch, ach larach na teine a mhain. Uinneagan leth-lionta le pluic, ’san corr comhdaichte le lic ’s clach ri ’cul. Da tholl air druim an taighe a’ leigeadh a mach na toit nach iarradh an rathad roimh dhorus no uinneig. Da theine air an urlar dluth air meadhon an tighe agus clach eatorra. B’i chlach so “Stol no (furm) an aithreachais.” Is tric a rinn mi cron latha fuar geamhraidh a dh’aon ghnothuch air son faotainn air an stol. Bha déileachan a gheibhte air a’ chladach sinnte air clachan a’ deanadh aitean-suidhe; ’s bha da sheana bhord le casan briste air an urlar aig am faighte sgriobhadh le beagan cunnairt. Agus ma bha airneis an tighe-sgoil gann, cha robh asaig an sgoileir duilich a ghiulan. Leac-sgliat ghlas le ruith oibreachaidh oirre, paipeir-sgriobhaidh cho saor ’sa gheibheadh cailleach nan uibhean an Grianaig, dubh de shughadh an daraich, peann de dh’ite an t-Sulanaich, Gray, Leabhar Aithghearr nan Ceist, Biobull Gaidhlig air a chomhdach le craiceann caorach, agus deagh chaman. Bhiodh e eu-comasach do’n fhear-theagaisg a bu chomasaiche sgoilearan math a dheanamh air a leithid so de bhiodh gach tigh ’s gach goireas a b’ fhearr aig mo shean mhaighstir (cha’n chothrom; ach tha mi creidsinn ged ann r’a chur na dheigh e), nach faigheadh an sgoil an cliu a b’airde o fhir-cheasnachaidh ar latha-ne. Cha robh eolas a mhaighstir ro fharsuing; agus cha d’fhuair e cothrom air na doighean a b’fhearr air sgoil a riaghladh, no air eolas fein a theagasg d’a sgoilearan, fhaicinn no ionnsachadh. Bha e, gun teagamh, an Glaschu ’ga cheasnachadh; agus dh’innis an Dr. Mac-Leoid dha nach b’urrainn dhasan leasan Gaidhlig a thoirt dha. Air diomhaireachd an lagh “Leathan ri leathan, a’s caol ri caol” bha e mion-eolach; ach nam biodh an sgoil air a paigheadh a reir mar a fhreagradh na sgoilearan na ceistean a chuirear air cloinn an diugh, is mor m’eagal nach biodh tuarasdal a’ mhaighstir a bheag ni b’ airde na bha e. “Na labhair ach maith mu na mairbh,” theirte o shean; agus gu firinneach ’sann le h-uram agus le seirc a b’airidh sean mhaighstirean-sgoile na h-Alba a bhi air an cuimhneachadh. Agus ged nach rachadh mo shean mhaighstir a thaghadh á measg drobh an diugh a lionadh aite falamh, b’airidh e air meas agus air tlachd, agus is ann le meas agus le tlachd a tha a chuimhne air a gleidheadh aig gach sgoilear a bha fo ’theagasg. Cha bhithinn seachd bliadhna dh’aois nuair a chaochail e; ach tha mo chuimhne an diugh air a dhreach ’sair a dhoigh cho maith ’sa bha i an la a dh’adhlaiceadh e. Bha e ’s an arm ’na oige, agus thug an t-oileanachadh a fhuair e an sin seasamh direach a’s gluasad fearail dha nach do dhealaich ris ré a bheatha. Duine breac-liath, mu dheich-a’s-tri-fichead; deas ’na phearsa; aghaidh thuigseach; cridhe blath; nadur ath-ghoirid; a cheum air tromachadh a’s uilt air teannachadh; ach a spiorad gun taiseachadh—a mhisneach cho ard a’s aignidhean cho togarrach ri aois ochd-bliadhna-deug. Cha robh balach son sgoil a bu deise a bhreth air caman, na bu deine a chur gu taghall. Saoilidh mi gu faic mi an sean duine sunndach a’ tighinn am fradharc air maduinn reota gheamhraidh, le ’aid ghibich a bha uaireigin dubh, le chota ’chlo, ’s le bhata glas-daraich ’na laimh. Chi e ’mhac fein a’ leigeadh seachad na cnaige. “A thuaisd, a thraill, a sgagaire bhochd!” their an t-athair, a’s a nuas leis a’ chota mhor. As deigh na cnaig gu lughmhor bheir e, a’ greimachadh ceann caol a bhata; agus an tiota tha i aig an taghall is faide air falbh. Theid ar gairm a steach, a’s theid na camain fo’n bhord. Toisichear obair an la le urnuigh dhurachdaich an Gaidhlig; theid earcann dhe’n Bhiobull a leughadh ’sna Ceistean a chur. Tha ’n sin sgriobhadh a’s cunntas, cunntas a’s sgriobhadh gu feasgar. Leughar am Biobull. Co-dhunar le urnuigh. Bheirear na camain am follais, a’s bithear ag iomain gus an toir an oidhche as ar suilean e. [TD 191] [Vol. 4. No. 24. p. 7] Cia suaimhneach an inntinn, cia stolda an aigne, cia suilbhear a’ ghnuis, cia binn an guth, cia milis an codal, cia toilichte uile-bheatha an duine sin nach runaich droch-bheart ’na chridhe an aghaidh muinntir eile: agus nach smuainich gu’m bheil a leithid air a runachadh le neach sam bith ’na aghaidh fein. Air an laimh eile, nach graineil, mi-thaitneach an ni a bhi ’buanachadh ann an staid naimhdeis, connsachaidh, agus corruich, air do na smuaintean a bhi air an claoidh gu searbh le curam, amharas, agus doilghios, a bhi maraon ag oibreachadh annta. Is lionmhor iad a th’ann an cabhaig gu fàs bearteach, a chi gur amaideach an giùlan fein, oir feuchaidh beagan uine gu’m bheil iad ann an cabhaig gu bhi air an creach. Is iad na daoine a shaoithricheas gn foirfe, ciùin, stòlda, na daoine is fearr a shoirbhicheas anns an t-saoghal. Is tric leo-san da’n cleachd a bhi ’deanamh nithe gu cabhagach, gu’m féum iad na nithe ceudna a dheanamh da uair. Anns a bhliadhna 1875, dh’òl muinntir Bhreatuinn còr us sia galain dheug air fhichead (36) mu choinneamh gach duine ’san rioghachd de stuth làidir eadar, leann, fion, uisge-beatha, ’s gach deoch eile. Anns a bhliadhna 1893, cha robh air òl ach gann deich galain fhichead mu choinneamh gach duine. Tha so a nochdadh gu bheil an sluagh gach bliadhna a’ fas ni’s stuama na bha iad. Na’n tionndaidh duine a chulaobh a h-uile uair a thigeadh a’ ghaoth ’na aghaidh cha tig an latha a ruigeadh e ceann a thurais. Mar sin, esan a leigeas leis fein a bhi air ’amaladh leis gach ni a thig cearr air, cha dean e moran adhartais ann an turas na beatha. Cha tric leinn aithreachas a bhi oirnne air son gu’n d’fhuirich sinn nar tosd ach is minig a ghabh sinn aithreachas a chionn nach do chum sinn ar teangadh. Tha an neach sin a tha an còmhnuidh fo dheagh mhisnich ag cleachdadh leighis, a bhios chum slàinte, an da chuid, do’n chorp agus do’n anam. Tha da fhoghlum aig gach aon againn. Tha sinn a’ faotainn aon dhiubh bho mhuinntir eile, agus tha sinn a toirt dhuinn fein an aon eile. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 192] [Vol. 4. No. 24. p. 8] Clann nan Gaidheal. (Le Niall Macleoid.) SEISD: Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham, Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham. Clann nan Gàidheal a tigh’nn fodham, ’S foghainteachd an euchdan. Siol nan sonn ’s nan curaidhean, ’Bha ’n tìr an fhraoich a’ tuineachadh, A dhion a cliù gu h-urramach, ’S nach fhuiligeadh an eucoir. An cliù ’s an ùir sin mealamaid, ’S an t-saors’ is daor a cheannaich iad, ’S a chaoidh a’ strì gun fhannachadh A leantuinn air an ceum-san. ’Us ged’ tha ’n àl air tanachadh, ’Us muir ’us tir ’g an dealachadh; Tha càirdeas blàth ’g an teannachadh Le carthantas ri chéile. Cha dìobair iad am fearalachd, No rìoghalachd an seanairean, ’S an gaol do thìr an athraichean, Ged ’sgaradh iad bho chéile. O, gu ma buan ’us maireannach, ’Bhios cliù nam fiùran chaithreamach, ’Us fhad bhios grian ’us gealach ann Bidh aithris air an euchdan? Theid mi nnll thar an Atlantic. (Le R. Frazer Mackenzie.) SEISD: Théid mi null thar an Atlantic, Théid mi null, ’s gur ann am dheòin, Théid mi sheòladh air na cuantaibh Gu mo luaidh-sa, Hatttie og. Tha mo cridhe-s’ an Ur-Albainn,* Tìr nan garbh-choill’ ’us nan òb, Far am beil mo leannan uasal, An té shuairc’ a rinn mo leòn. Ged ’tha iomadh caileag àluinn Eadar Geàrrloch ’us Fermòi† Air fad Albainn agus Eirinn— ’S tu-sa m’ éibhneas thar gach òigh. Bha mi duilich ’bhi ga d’ fhàgail, Bha mi, ’ghràidh, a sileadh dheòir, ’S bha mo chridhe faisg air sgàineadh ’N uair a ràinig mi air bòrd. Fad dà sheachdain air a chuan domh Bha mi luaineach gun do phoìg, Ach a nis’ gur buileach truagh mi O’n ’s fhad uam thu, Hattie òig. Gu ma luath a thig an latha, ’Us an t-soitheach ’bhios fo sheòl, A bheir mise null air astar ’Dh ’ionnsaidh ’chailinn leam is bòidhch’. ’S tric ga d’ fhaicinn mi am bruadar, ’S tric ’nam shuain mi ’toirt dhuit phòg, Ach ’s a’ mhadainn ’s fhada uait mi— Och, mo thruaigh’, tha mi ’Fermòi. *Nova Scotia. †Fermoy, County Cork, Tha pàrlamaid Nobha Scotia ri bhi air a gairm cruinn air an naodhamh latha dhe’n bhliadhn’ ùir. Tha a ghealach gu bhi làn da uair air a mhios so. Bha i làn air an darna latha ’s bidh i làn a rithist air an latha mu dheireadh dhe’n mhios. Tha e air a radh nach robh an solus làn da uair an Desember riamh o’n bhliadhna rugadh Criosd. Caradh Uaireadairean fad an da mhios s’a tighinn. GLANADH $0.60 MAINSPRING .60 AN DA CHUID 1.10 Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi. W. H. WATSON. Sidni, C. B. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 193] [Vol. 4. No. 25. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 28, 1895. No. 25. A Ghaidhealtachd. Tha laghannan an fhearainn air an atharrachadh gu mor anns a Ghàidhealtachd seach mar a bha iad. Cha’n eil an ùine gle fhada bho nach robh còir sam bith aig duine air a chuid fearainn ach cead an uachdarain.; ma bha’n t-uachdaran ’sa chroitearan a’ còrdadh gu math, bha cead aca fuireach, ach nam biodh amhreit sam bith eatorra, no ma bha toil aigesan feum eile dheanamh dhe na croitean, dh’ fhaodadh e an cur asda latha sam bith a thogradh e. Ach tha na laithean sin air falbh. Tha’n croitear a nise, ma phàigheas e am màl gu riaghailteach, cho beag eiseamail do’n uachdaran ’s ged bu leis fhéin am fearainn. Tha so air a leigeil ris gu soilleir ann an taghadh chomhairlichean anns na siorramachdan Gàidhealach o chionn ghoirid. Ann an Uidhist a chinn a tuath bha croitear, fear Padruig Mac-Ille-Mhoire air an chur a stigh an aghaidh mac an uachdarain, Sir Iain Orde, leis an leis an t-eilean air fad, agus cha ruig e leas cùram a bhi air gu’n cuirear as a chroit e fhad ’sa chumas e am màl pàidhte. Tha’n croitear mar an ceudna leis an lagh ùr so air a chuir air bonn air am faod e tuilleadh fearainn fhaotainn, a dheòin no dh’aindeoin an uachdarain, ma sheallas e gu bheil fearann air an oighreachd a bhiodh freagarrach air son àiteach, agus gu bheil esan comasach air oibreachadh ma gheibh e e, Chuir àireamh chroitearan anns an Luib ’san Eilean Sgiathanach tagradh dh’ionnsuidh a Mhorair Dhomhnullaich o chionn ghoirid ag iarraidh air croitean a thoirt dhaibh aig ceann Loch Aineart. Dhiult am Morair sin a dheanamh, agus chuir iadsan an càs air beulaobh Comhairle siorramachd Inbhernis. Ma chi a’ Chomhairle gu bheil e ceart am fearann a tha iad ag iarraidh a thoirt dhaibh, ni iad sin, agus cha’n eil duine ann a bhacas iad. Tha mar sin an cumhachd a bha’n lamhan nan uachdaran Gàidhealach roimhe so ann an tomhas mor air a thoirt uapa, agus tha sin ceart. Tha e mi-chiatach gu’m biodh comas aig droch uachdaran air daoine bochda chur as an dachaidhean gun aobhar sam bith, ge b’e uair a thoilicheadh e. Na h-uachdarain mhatha, agus tha ’n leithidean ann, cha ’n eil an comas sin a dhith orra, oir tha iad a déiligeadh ri ’n tuath le iochd ’s le ceartas. Litir a Ontario. Tha’n t-seann bhliadhna a’ teannadh air a crich. ’S iomadh aon a rainig ceann a thuruis bho na thainig i stigh; ’s morna chaidh dhachaidh do’n t-siorruitheachd, sean agus òg, beag agus mor. Tha ionndrain féin aig gach neach. Tha iomadh aon a bha bliadhna ’n ama so ’na shuidhe aig bòrd ann an tigh ’athar, agus a’ caitheamh na Nollaig gu sùnndach an diugh na laidhe ’san leabaidh thosdach far nach cluinnear a ghuth ni’s mò. Tha iomadh màthair bhochd na suidhe ri tùrsa a’ cuimhneachadh air mac no air nighinn a bha còmhla rithe m’am àm so n-uiridh nach fhaic i tuilleadh an tir nam beò. Tha iomadh bean a’ caoidh a fear-pòsda a chaidh a thoirt uaipe air a bhliadhna dh’fhalbh. Tha iomadh fear ag ionndrain a chéile ghradhach a thugadh uaithe o chionn da mhios dheug. Tha iomadh athair ann le cridhe cràiteach, air fhàgail na aonar; thug am bàs air falbh àileagain a ghaoil. Cha tig iad na chòmhail tuilleadh, le furan mor, nuair bhios e tigh’n dachaidh bho ’obair ’se sgith. O, a bhais gun truas, nach iomadh cridhe dh’fhàg thu goirt. Bheir thu leat sios do’n uaigh aon mhac no nighean an duine bhochd, agus aon taic na bantraich. Bho’n sgriobh mi roimhe dh’ fhalbh an sneachd uile agus tha uisge againn bho cheann beagan làthean. Tha na ròidean fiadhaich bog, agus duilich falbh orra. Bha rud ris an abair iad “Soirre” againn anns an eaglais Chléireach air an 18mh latha (no ’n oidhche) de ’n mhios so. Bha Dùghall Mac Gilleain ag ràdh gur e brigh an fhacail “soirre,” suiridhe, agus na dh’ fhaoidte nach robh e ro fhada cearr; theagamh gu robh beagan dhe sin ann mar an ceudna, agus ma bha faodaidh math tigh’n as do chuid-eigin, ged nach biodh ann ach còig dolair do’n mhinisteir air son dithis a phòsadh. Ach bha tuilleadh de mhath ann ’s na thubhairt mi, Ged bha ’n oidhche dorcha agus car gruainach, thainig moran a mach, agus cha robh an t-aithreachas orra air son tighinn; rinneadh suim mhath aigeid a chur cruinn, agus tha feum mor ri dheanamh leis. Chaill nighean bheag anns a’ bhaile so te dhe ’meòirean air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i a cleasachd, aig àm na cluiche san sgoil, agus rug rudeigin a bha ’san rathad air a meur agus chaidh a spiorradh dhith. Tha a chaileag bhochd a’ deanamh cho math ’s bu choltach dhi an deigh am sgiorraidh bhochd a dh’ éirich dhi. Chaill Domhnull Domhnullach (maighstir sgoile) an aon duine cloinne bh ’aige, caileag bheag, bhòidheach, aois ochd bhliadhna. Cha robh i tinn ach aon latha. ’S e b’ anacair dhi pneumonia. Cha deanadh lighiche feum dhi ged a bha dha a frithealadh oirre. Dh’ eug a màthair ’nuair a bha i ochd latha dh’ aois, ach fhuair i a deagh thogail. Tha iad a’ bruidhinn air rathad iaruinn a thoirt faisg air a’ bhaile so, a bhios air a ruith le electricity; gu de nach teid aig innleachd an duine air a dheanamh? The Seumas Domhnullach tinn air an leabaidh bho chionn cheithir miosan bha e ’gabhail a MHAC-TALLA gus an d’ fhàs e tinn ’s nach deanadh e feum dheth. Tha e ceithir fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois. A réir coltais cha’n eil e dol a dh’ fhaotainn ni’s fhearr. ’S e fear de na h-eildearan ’san eaglais Chléireach. Faodaidh e bhi gu’n do sgriobh mi gu leòr air an àm so. A’ guidhe dhuibh féin us do ’r luchd-leughaidh uile, “Nollaig Chridheil us Bliadhna Mhath Ur, is mi ur caraid. IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Ont., 23, 12, ’95. [TD 194] [Vol. 4. No. 25. p. 2] MORAIR CHOLASA. I.—AM FEAR-LAGH. Tha e ’n a chleachduin aig Gaidheil, agus is ion-mholta chleachduin sin, an uair a chruinnicheas iad am measg a chéile, a bhi ’cur cuimhne air daoine ainmeil d’am fuil fein. Beagan bhliadhnachan roimhe so, an uair a rachadh cunntas a dheanamh air na Gàidheil sin a dh’ ardaich ’n ar latha-ne, cliu an stuic o’n do dh’fhas iad, a’s a dhearbh do ’n t-saoghal gu bheil buaidhean inntinn co maith ri neart cuirp co-cheangailte ris an fhuil Ghaidhealaich, bha triuir gu h-araid air an deanteadh luaidh ’s gach cuideachd—Morair Chluaidh—Morair Cholasa—agus Daibhidh Mac-an-Léighe. Tha e comharraichte mu thimchioll nan uaislean urramach so gu ’n robh an duthchas anns na h-Eileanan-an-Iar. Bho linn Shomhairle Bhuidhe cha do thog Ile gaisgeach cho foghainteach ri Cailean Caimbeul; is urram do Mhuile, ged is iomadh ceatharnach treun a dh’ araicheadh ’n a ghlinn, gu bheil coir aige air Mac-an-Leighe; agus dh’fhag Donnachadh Mac-Neill iomraiteach Eilean iomallach Cholasa. Ged nach ’eil curam gu ’n teid iomradh nan laoch so air di-chuimhn’ am measg ar luchd-duthcha an cabhaig, tha e freagarrach gu ’m biodh cuimhne Ghàidheal air am bu mhiann leis an rioghachd gu leir a bhi ’cur urraim, air a gleidheadh luachmhor agus ùrail ’s an leabhar so. Anns an aireimh so is e ar run a bhi ’toirt cunntais aithghearr air Morair Cholasa mar fhear-lagh; ann an aireimh eile, ma dh’ fhaoidte, ni sinn iomradh air mar uachdaran Gaidhealach. B’ e Donnachadh Mac-Neill dara mac Iain ’Ic-Neill, Tighearna Cholasa agus Orasa, dà eilean bheag taobh a cheile, air ceann-an-iar Earraghaidheal. Rugadh Donnachadh ann an Orasa ann am foghar na bliadhna 1793. Fhuair e tus ’fhoghluim an tigh athar. Bho ’leanabaidheachd thug e dearbhadh air an tùr agus a’ gheiread inntinn air son an robh e comharraichte ré a bheatha. Their iad an Colasa gus an la ’n diugh an uair a bha e ’n a choisiche gu ’n do thachair Eachann figheadair air ’athair ’s air fein, agus an t-slat-thomhais aig Eachann ’n a laimh. An uair a dh’ fhag iad am figheadair thuirt Donnachadh: “Nach i ’n t-slat-thomhais a bh’ aig Eachann an sud a’ deanamh bata dhith? “Cha ’n ’eil teagamh nach i,” ars’ ’athair, “ach ciod e dheth sin?” “Tha eagal orm,” fhreagair am balachan, “ma bhios i tric ris an obair ud, gu ’m feum gu ’m bi a tomhas gann.” Smuainich ’athair air brithran a mhic, agus, ma ’s fior an sgeul, thuirt e ’n oidhche sin fein. “Ni mi fear-lagh de Dhonnachadh.” An uair a bha e gle og—da-bhliadhna-dheug a dh-aois—chaidh e do oil-thigh Chill-ribhinn. ’S an oil-thigh dh’ fhag an Colasach og a chompanaich fada ’n a dheigh, ged bha a’ chuid mhor dhiubh ni bu shine na e. ’N a ochd-bliadhn’-deug, chaidh e ’Dhuneideann a dh’iunnsachadh lagh, agus an uair a bha e tri-bliadhna-fichead thainig e mach ’n a fhear-tagraidh ’s a’ chuirt. Bho ’n am sin gu latha ’bhais cha robh ainm eile ni bu trice ’m beul sluagh Albainn na ainm Dhonnachaidh Cholasa; agus feudar le firinn a radh nach robh fear-lagh riamh an Albainn a choisinn an da chuid uiread meas agus tlachd o gach neach ris an robh a ghnothuch, ri Donnachadh Mac-Neill, Morair Cholasa. Bha, gun teagamh, moran nithean a’ co-chuideachadh a dheanadais fein a chum soirbheachadh a bhuannachd dha. Bha e de theaghlach urramach, agus bha cairdean cumhachdach aige—nithean a bha ni b’ fheumaile do fhear-tagraidh ’s an la ud na ’n diugh. Bha a’ bhuaidhean ard, lionmhor, agus air an deagh ghiullachd—inntinn fhallain ann an corp treun, air nach deargadh an saruchadh a bu ghoirte; aignidhean togarrach; cridhe blath; gluasad fearail; teangadh dheas-bhriathrach; cuimhne gheur; eolas farsuing; nadur neo-ghluasadach; agus misneach nach failnicheadh. A thuilleadh air so, bha e aluinn ’n a dhreach. Chaidh a dhealbh a tharruing iomadh uair agus dearbhaidh gach oidheirp re iomadh linn eireachdas a phearsa, ged their na h-eolaich nach ’eil aon diubh a thig a nios ris an fhior dhuine e fein. Bha e cheann air liathadh ’s a cheum air tromachadh o’n is cuimhne leam e, ach saoilidh mi gu faic mi ann an gnuis an t-seana bhreitheimh—stolda, foisneach mar tha i—ciamar a dh’ amhairceadh am fear-tagraidh ’n a dheich-bliadhna-fichead, an uair a bhiodh e air a bhrosnachadh gu foirneart a sgiursadh, no gus am priosanach a chur fa sgaoil. Anns an àm ud, cha robh a’ coiseachd sraid Dhuneidinn gille ’bu dreachmoirhe na Donnachadh Mac-Neill. Bha e os cionn se troidhean air airde; lughmhor, fearail. Cha robh iad ach tearc a ruitheadh, no ’leumadh, no ’shnamhadh ris. Pearsa dhireach, dhers; ceann mor, fada, air a chomhdach gu trom le falt dubh; aghaidh shoilleir, thuigseach, fhosgailte, anns am faiceadh tu, mar an sgathan fior, gluasadan na h-inntinn; “A Ghruaidh mar an t-iuthar caoin, A shuil nach b’ fhaoin a sgaoileadh ard, Fo mhala chrom, dhorcha, chaol; A chiabh (dhuibh) ’n a caoir mu ’cheann, ’Taomadh mu ghnuis aluinn an fhir.” Is anns a’ bhliadhna 1816 a fhuair Mac-Neill comas tagraidh ’s a’ chuirt. Anns an am ud bha daoine treun ’s an lagh. B’ i sud “linn an àigh” do luchd-lagh Albainn. Riamh o’n a chaidh an da rioghachd fo ’n aon chrun, agus gu h-araid o’n a chaidh Parlamaid Albainn a shlugadh suas ann an Parlamaid Bhreatuinn, b’ ann troimh bhealach an lagha a bha ’n aon slighe gu h-urram agus gu cumhachd ’s an rioghachd. Dhruigh, mar so, a’ chuid mhor de dh-uaislean ’s de dhaoine foghluimte Albainn a stigh do ’n dreuchd so, air chor ’s gur gann a gheibhear, re moran ghinealach, comhairliche, fear-eachdraidh, oid’-fhoghluim, ughdar, no sgoilear ainmeil an Albainn nach robh anns a’ cheart àm ’n a fhear-tagraidh. An uair a bha, mar so, na h-uiread de dh-eanachainn agus de fhoghlum na rioghachd ’s an lagh, feudar a thuigsinn cìa cho duflich ’s a bha e aite-toisich ’fhaotainn no ’ghleidheadh ann. An uair a thoisich Mac-Neill air tagradh ’s a’ chuirt, bha cathaaichean nam breitheamhna air an lionadh le daoine gleusta, foghluimte; am measg an luchd-tagraidh a bu shine na esan, bha fir a thog cliu na rioghachd so le ’n iomadh buaidh; agus gheibhte am measg a chomh-aoisean oganaich air nach deanadh aon ach burraidh tàir. Gidheadh bha soirbheachadh maith aig Donnachadh Mac Neill o’n cheud la a dh’ fhosgail e ’bheul ’s a’ chuirt. “Cha bhi dicheall air deireadh;” agus a thuilleadh air gach talann eile a bhuilicheadh air an duine ainmeil so, bha a dhicheall comharraichte. Cha robh [TD 195] [Vol. 4. No. 25. p. 3] saothair air bith tuilleadh ’s cruaidh leis a mheudaicheadh eolas. Cha ’n fhagadh e clach gun tionndadh a shaoileadh e ’chuireadh solus air a’ chuis a ghabhadh e os laimh. Cha robh car no lùb ’s an lagh nach do rannsaich an inntinn gheur, bheo ud le mor-churam. Cha do lean a sheanair ni bu deine riamh air luirg Mhic-a-Phì, o leab-fholuich gu leab-fholuich gus an do ghlac e ’s a’ Chaolas-iarach an Eilean-nan-Ròn e, ’s an do dhaighnich e ’chòir air Colasa le fuil a namhaid, na leanadh Donnachadh “a charaid foghluimte air an taobh eile” troimh gach toll, a’s fròg, a’s lùb anns am feuchadh e ri e fein ’fholach. Bheir na paipearan-naigheachd a’ sgriobhadh ’s an am ud fianuis air barail a chomh-luchd-dreuchd mu Mhac-Neill. Thuirt Jeffrey, aon cho ainmeil ’s a bha ’n am measg, “Gearraidh Donnachadh Mac-Neill troimh chridhe cuise, glan mar sgian gheur.” Rinn e gu h-aithghearr ainm dha fein a’ dion phriosanach. Lionadh iad deagh leabhar gach naigheachd a tha fathasd air an innseadh mu ghleustachd Dhonnachaidh Cholasa ann an tilgeadh chuisean-ditidh bun os ceann, a’s air gach seol a’s cleas a chleachd e chum a phriosanach fhaotainn á inean an lagha. Thug a theomachd anns a’ chearn so de ’n lagh cliu agus buannachd d’ a ionnsaidh. Gu h-araid ’s a’ Ghaidhealtachd chaidh ’ainm am fad ’s am farsuingeachd. Cha robh Gaidheal a bhiodh “an teanntachd, no an ainfhiach, no fo smuairean ’n a inntinn,” nach feumadh a chomhairle ’chur ris an uasal og a bha ’deanamh ainm dha fein an cùirtean na rioghachd. Anns a’ bhliadhna 1820 fhuair e ’n a fhear tagraidh fo ’n Chrun, agus bha nis am mion-eolas air an lagh, agus an t-seoltachd a chleachd e cho buadhmhor a’ tilgeadh chuisean-ditidh, airan cleachdadh an cur ri cheile chùisean anns nach faigheadh neach eile failinn. Tha na cuisean ditidh a tharruing e ’n an riaghailt fathasd air son soilleireachd agus diongmhaltachd. Bha nis a chas ’s an fhàradh, agus a lion ceum a’s ceum, gun tuisleadh, gun mheareachd, rainig e ’mhullach. Rinneadh ’n a Shiorramh air Peairt e ’s a bhliadhna 1824, agus deich bliadhna ’n a dheigh sin, thaghadh e gus an dara aite ’s an lagh fo ’n Chrun; agus bha, mar so, ’cheud aite cinnteach dha co luath ’s a bhiodh e falamh. Tha ’n rioghachd air a riaghladh le aon bhuidheann no buidheann eile, agus is ann aig a’ bhuidheann a tha ’n cumhachd a tha comas gach dreuchd ’s gach oifig fo ’n Chrun a lionadh. Thilg Donnachadh Mac-Neill o’n toiseach a chrannchur leis a’ bhuidheann ris an can iad ’s a’ chainnt eile na Tories. Feudaidh tusa agus mise, ma dh’ fhaoidte, a bhi ’saoilsinn gur i bhuidheann eile is fearr a dh’ oibricheas a chum leas na rioghachd, ach cha ’n abradh neach do ’m b’ aithne Donnachadh Mac-Neill nach b’ ann le coguis shaor a roghnaich esan a’ bhuidheann ris an do lean e cho dileas re a bheatha. Ach gleusta agus seolta ’s mar bha e air son cuis fir eile, cha robh e cho dana air a shon fein. Is i mo bharail gun robh e daonnan car narach—ni bu deise gus a sholus a mhuchadh na ’chur far am bu leir do gach neach e. Tha e air ’aithris gur beag nach do chaill ’fhaiteachas, anns a bhliadhna 1834, ’aite dha. Ach fhuair e ’dhuais, agus air bas Sir Uilleam Rae ’s a’ bhliadhna 1842, rinneadh Fear-tagraidh na Ban-righ dheth. Nochd a chomh-luchd-dreuchd an earbsa ’n a chumhachd ’s an tlachd d’ a phearsa le ’thaghadh gu bhi ’n a cheann orra fein ’s a’ bhliadhna 1843. Chuir a Shiorrachd fein, Earraghaidheal, do Pharlamaid e ’s a’ bliadhna so, agus re nan ochd bliadhna a shuidh e ’s a’ Pharlamaid thug e dearbhadh air farsuingeachd ’inntinn a’s air a run gu bhi cothromachadh an lagha ri fenm an t-sluaigh—air am bheil againn mar fhianuis “Lagh nam Bochd” (1845,) maille ri iomadh atharrachadh feumail air doigh-riaghlaidh an lagha, agus air deanamh soilleir coraichean fearainn. Anns a’ bhliadhna 1851 dh’ ardaicheadh gu bhi ’n a bhreitheamh e, agus, anns an ath-bhliadhna, an uair a bha ’chairdean an cumhachd, chuireadh air ceann na cuirt an Albainn e. Bha e ’n a ard-bhreitheamh an Albainn re chuig-blaidhna-deug, gus an d’ ardaicheadh do thigh uachdarach na Parlamaid e ’s a’ bhliadhna 1867, fo ainm Baran Cholasa agus Orasa—a’ cheud fhearlagh an Albainn a fhuair an t-urram o ’n a dh’ aonadh an dà rioghachd ri cheile. Shuidh e ’n Tigh nam Morairean a’ toirt seachad a chomhairle luachmhoir agus a’ co-chumadh gach Achd a thigeadh fa chomhair na h-ard Chomhairle ri fior-leas a luchd-duthcha. Chaochail e ann an deireadh a’ cheud mhios de ’n bhliadhna so, air a chaoidh gu goirt leis gach neach d’ am b’ aithn’ e, a’s air ’iundrainn gu mor le ard-mhaithean na rioghachd air son a ghleustachd, fhòghluinn a’s a sheirc. Air feasgar aillidh Earraich ’s a’ bhliadhna 1867, sheas mi an tigh na Parlamaid an Duneideann. Bha ’n lnchuirt aluinn sin air a lionadh a thaobh gu taobh—cha robh aite-suidhe ri ’fhaighinn. Thionndaidh uaislean a’s mnathan-uaisle a’ bhaile-mhoir am mach. Bha na breitheamhna gu leir, sgeudaichte ann an eideadh an dreuchd, ’n ’n an aite. Bha gach dreuchd ’s an lagh—fir thagraidh, sgriobhadairaan, cleirich—an t-ard ’s an t-iodal, an sean ’s an t-og—cruinn an sud. Bha Donnachadh Mac Neill a’ gabhail a “chead deireannach” do ’n chuirt anns an do shaothraich e fad leth-cheud bliadhna. Cha robh aite fosgailte dha ’s an lagh nach do lion e le mor-mheas dha fein, ’s le onoir d’ a dhuthaich. Re nan cuig-bliadhna-deug a bha e air ceann lagh Albainn, dhearbh e air gach doigh gu’m b’ e da-rireadh a b’ airidh air an inbhe urramaich sin. Dh’ ardaich e an lagh agus chuir e urram air. Agus bha e nis a’ fagail nan luchairtean sin anns an do chaith e ’bheatha, air a ghairm le ordugh a’ Chruin do luchuirt a b’ urramaiche gun teagamh, ach do thir choimhich, am measg choimpirean ùra, a lionadh ’n a shean aois—bha e tri deug a’s tri fichead—aite nach deach ’a lionadh riamh roimhe,—breitheamh Albannach ’s an ard-chuirt an Lunainn. Chunnaic mi a dhealbh air a chrochadh ’s an “Talla ’m bu ghnath le (Mac-Neill)”—urram nach d’ thug a bhraithrean re a bheatha do neach riamh ach dhàsan a mhain. Chuala mi ’chliu ’g a seirm le beoil o ’m bu bhinn a thigeadh moladh. Rinneadh luaidh air a dhillseachd ’n a dhreuchd;—air an earbsa a bh’ aig sluagh Albainn ’n a bhreith chothromaich;—air an tlachd a bh’ aig ard agus iosal, sean agus og, do ’n uasal a bha anns gach ceum de bheatha, “Mar shruth ris na sàir; Ri laigse nan lann cho ciuin Ri aiteal gaoith air raon an fheòir.” Chuala mi anns gach beul, “Ma ’s e ’s gu ’n teid fear-lagh a chur do Shasunn, cha ’n airidh neach eile air an urram fhad ’s is beo Mac-Neil; ach, ‘Co nis a thogas an claidheamh, No ’ni a’ chathair a lionadh.’ (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 196] [Vol. 4. No. 25. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DECEMBER 28, 1895. Tha na Stàitean a’ bagradh cogaidh air Breatuinn a cheart da-rireadh. Tha iad a dol a’ chur a mach Ard-Chomhairle aig am bi ri cùsean a rannsachadh a thaobh na criche eadar Venezuela agus Guiana Bhreatunnach. Ma their an ard-chomhairle sin gu bheil a chrioch ceart, cha bhi ’n còrr iomraidh air cogadh. Ach ma their a chomhairle gu bheil Breatuinn a’ dol thar a criochan, agus gu’n diùlt Breatuinn tarruinn air ais (rud a tha glé chinnteach) cha bhi aig na Stàitean ach an da roghainn, a dhol a chogadh ri Breatuinn, no taruinn air ais iad féin, agus a bhi ’nan culaidh-mhagaidh aig rioghachdan an domhain air fad, suidheachadh anns nach bu mhath le dùthaich sam bith a bhi, gu h-àraid an dùthaich a tha ’gabhail oirre féin a bhi toirt bàrr air gach dùthaich eile ann an saoibhreas ’san neart. ’Se ’s dòcha gu’n abair a’ chomhairle gu bheil a chrioch a tha Breatunn a’ cur eadar i féin us Venezuela ceart gu leòr, agus mar sin gu’n seachainn iad an cagadh. Bha tuil mhor anns an amhuinn Mississippi air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i ’cur thar a bruachan, agus bha moran calla air a dheanamh. Chaidh àireamh dhaoine a bhàthadh. Tha e air a radh gu’n do dh’éirich an t-uisge da throigh air fhichead ann an ceithir latha. TEAGASG AN T-SLUAIGH.—Tha mòran do’n t-sluagh choitcheann anns na h-eileanan so a tha fada air dheireadh air am bràithrean feadh na h-Eòrpa ann an cuisean fòghlum. Cha’n eil muinntir nan eileanan so idir cho eugnaidh air an làmhan agus a tha fir mòrthir na h-Eòrpa. A nis cha’n eil so idir cliùmhor do ainm ar daoine no ar dùthaich. Tha trioblaidean ar luchd-malairt is ar luchd-tuathanachais ag eiridh o’n aineolas. Tha aon tuathanach sgileil ag ràdh nach ’eil ach glé bheag eòlais aig na tuathanaich an coitcheannas feadh Bhreatuinn. Tha cuid dhiubh cho dall a thaobh nan ioma seorsa feòìr a dh’ fheudtadh a thoirt a mach ’s nach b’ urrainn daibh an dara fear ainmeachadh o’n fhear eile. Tha so ’na aobhar bròin mòr; agus thig droch thoradh ’na dhéigh mur toirear àìte do spiorad ath-leasachaidh. Anns a’ ghnothuch so cha’n ’eil na Ghàidheil n’ is feàrr na an coimhearsnaich. Tha eagal oirnn, a réir mar tha Diùc Eara-Gàidheal ag ràdh gu’m bheil iad car air dheireadh. Co-dhiù a tha so fior no nach ’eil tha e ro fheumail do na Gàidheil gu’m biodh iad ’nan dusgadh air a’chùis; agus gu’m faigheadh iad cliù air son an stri ’s an oidheirpeis ann a bhi a’ toirl a mach brigh is toradh na talmhainn air dòigh a bhios cuineachail do’n duine is do’n ainmhidh.—Oban Times. Tha Alasdair Mac Coinnich, fear-deasachaidh an Scottish Highlander, ag obair air sgriobhadh Eachdraidh nam Frisealach aig an àm so. Bi’dh an leabhar deas ceud mhios an earraich. Tha Mr. Mac Coinnich an deigh ainm a dheanamh dha féin mar fhear-eachdraidh nam fineachan Gàidhealach Sgriobh e eachdraidh mòran dhiubh. Tha moran a feòrach dhinn ciod a thachair do “Cheann Liath,” a b’ àbhaist a bhi ’cur litrichean gasda gu MAC-TALLA. Cha’n urrainn dhuinn dad a radh mu dheobhainn sin, ach tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cho liath ’sa bha e riamh, agus a cheart cho comasach air litir a sgriobhadh ’sa b’àbhaist da. Chaidh fear Harry Hayward a chrochadh ann am Minneapolis o chionn ghoirid air son mort. Mu’n deachaidh a chrochadh dh’aidich e gu’n do mhort e triùir eile, a deanamh a ceithir air fad A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 197] [Vol. 4. No. 25. p. 5] Rugadh air fear Harry Bradon ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh ’se feuchainn ri bristeadh a stigh do bhanca. Buinidh e do na Staitean, agus ’s i mheairle ’s ceaird dha. Thatar a’ bruidhinn air Comunn Albannach no Gàidhealach a chur air chois ann an Sidni. Cha’n eil teagamh nach eil Sidni na àite cho freagarrach air son comunn dhe’n t-seòrsa sin ri bail’ eile ’n Canada, agus tha sinn an dochas gu’ teid aon a chur air chois agus gu’n soirbhich leis. Thuit fear Iomhar Madden marbh as a sheasamh, aig River Bourgeois air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e dol do’n choille, agus thuit e marbh aig a beul. Tha iad a deanamh a mach gu’m b’e tinneas a chridhe a thug a bhàs. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. B’ ábhaist da a bhi na Chomhairliche ann an siorrachd Richmond. Tha e ’na chleachdadh aig daoine mu’n àm so bhliadhna bhi cur ghibhtean gu’n càirdean. Nach bu mhath a’ ghibht do neach sam bith a chur gu caraide Gàidhealach bliadhna dhe’n MHAC-TALLA. Bheir sin fear-tabhairt na gibhte gu cuimhne an fhir a fhuair na h-uile seachdain, agus ’si ar barail nach urrainn fiach dolair de ni sam bith eile sin a dheanamh. Chaidh an Nollaig a chur seachd gle shàmhach ann an Sidni, agus anns gach cearna de ’n dùehaich, Cha robh Nollaig gheal againn air an turus so; cha robh sneachda air an làr ’s cha robh na sleigheachan cho siùbhlach no cluig nan each a’ gliongarsaich mar a b’ àbhaist anns na bliadhnaìchean a dh’ fhalbh. Bha seirbheis ann an ceithir do na h-eaglaisean ’sa mhaduinn. Bha an latha briagha, blàth, agus an t-side cho math ’sa dh’ iarradh duine. Thainig sia fichead s’a seachd deug de Shineich do Chanada air a’ mhios s’a chaidh, faisg air a dha uiread ’sa thainig air a mhios cheudna àn uiridh. Tha aig gach aon dhiubh ri dhol troimh ’n tigh chuspuìnn agus ri leth-cheud dolair a phàigheadh mu ’n faigh iad cead eas a chur air tir. Cha’n eil lagh na duthcha so a’ déiligeadh mar sin ri sluagh eile ach iad fhein, agus tha moran ag agairt nach eil an lagh ceart a tha ’cur càin air sluagh sam bith a bhios a tighinn a stigh. Tha naigheachd iongatach a tighinn à Manitoba ’s à Ontario. Aon latha o chionn ghoirid, bha fear A. M. Bell còmhla ri companach a mach a’ sealg fhiadh, ann an cearna do Mhanitoba agus air dhaibh a bhi dol troimh ’n choille, gach fear a’ gabhail a rathaid fhéin, shaoil le Bell gu’m fac e fiadh am measg nan craobh pios uaithe, agus loisg e air. Nuiar a rainig e ’n t-àite, cha b’ e fiadh a bh’aige ach a chompanach, air a thilgeadh marbh! Air a cheart latha sin fhéin, bha mac do Mr. Bell, ann an Ontario, ceudan mile air falbh, chaidh e fhein is fear eile mach a shealg fhiadh, agus rinn e an cleas ceudna ’sa rinn ’athair; loisg e air a chompanach an àite féidh, ach gu fortanach cha do mharbh e e. Ma tha ’n sgeul so fior, tha i iongatach da-rireadh. Chuir réiseamaid de volunteers a tha ’n Cornwall, fios gu Morair Salisbury an la roimhe, ’nuair a bha na tuaireasgalan cogaidh aig an àirde, ag ràdh, “Cha ruig thu leas tàmh na h-oidhche a chall a thaobh a chuid so de Chanada. Cumaidh sinne na Geancaich air an criochan fhèin, agus ma theid an cogadh èigheach theid againn air ar n-àireamh a dhùblachadh.” Cha’n eil teagamh ma’s e ’s gu’n tig cogadh nach dean muinntir Chanada air fad oidhearp dhuineil air an dùthaich a dhion. Bha da fhear-pàriamaid ùr air an taghadh ann an Canada air an t-seachdain so, a lionadh àiteachan a bha falamh, aon ann an Cardwell, Ontario agus aon ann am Montreal. Cardwell, Di-màirt, fhuair Mr. Stubbs a stigh, fear nach eil aon chuid ’na Liberal na na Chonservative, ach a tha de pháirtibh ur a tha fàs ann an Ontario fo chùram Dalton Mac Carthy. Ann am Montreal Di-haoine fhuair Mc Shane, an Liberal a stigh le mu chòig ceud bhòt a bharrachd air an fhear a bh’ air an taobh eile. Tha fear no dha eile ri bhi air a thaghadh fhathast, mu ’n suidh a phàrlamaid. Shearmonaich an t-Urr. Dr. Robertson, ceann-suidhe àrd-sheanadh Eaglais chleireach Chanada, ann an Eaglais St. Andrew’s maduinn na Sàbaid s’a chaidh, agus an raoir liubhair e òraid anns an eaglais cheudna a toirt ìomradh air an dùthaich a Niar Thuath. ’Sann ’san Niar Thuath a tha e fèin a saoithreachadh, agus faodar a radh le firinn gu bheil a chridhe anns an obair. Tha àireamh mhor de dhaoine á Ceap Breatuinn, á Eilean a’ Phrionnsa ’s a’ Nobha Scotia anns an dùthaich ùr ud ag obair anns na meinnean no air suidheachadh mar thuathanaich. Bha Dr. Robertson aon latha ’searmonachadh ann am baile beag, agus an deigh an t-searmoin Bheurla, rinn o searmon goirid anns a Ghailig, agus aig co-dhùnadh na seirbheis cha bu lugha na seachdhnar a mhuinntir Cheap Breatunn a thainig a bhreith air làimh air. Tha caraid a’ sgriobhadh ugainn a St. George’s, E. P. I., ag innse gu robh sligneich aca anns a chearna sin de’n eilein a rinn an talamh a chomhdach le deigh, agus gu robh na ròidean gle mhath fhad ’sa mhair sin. Bha an da chuid na sleigheachan ’s na carbadan a’ gabhail an rathaid gu siùbhlach. Cha thric le leithid sin de rathad a bhi ann. ’Si’n Eadailt an dùthaich a’s miosa th’ann air son murt. Anns an dùthaich sin tha trì duine deug air a mhurt mu choinneamh gach deich mile dhe’n t-sluagh. Anns an Spàin tha naodhnar, agus anns a’ Ghearmailt ’sam Breatuinn aon duine as an deich mile air an cur gu bas le lamh duine. Cha’n eil aig an Eadailteach no aig an Spainnteach, ach glé bheagan suime de bheatha ’n co-chreutairean, Caradh Uaireadairean fad an da mhios s’a tighinn. GLANADH $0.60 MAINSPRING .60 AN DA CHUID 1.10 Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi. W. H. WATSON. Sidni, C. B. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 198] [Vol. 4. No. 25. p. 6] Litir a Baile New York. FHIR MO CHRIDHE:—Cha’n eil mi idir cho dileas s’ bu chòir dhomh bhi gu fios a leigeil dhuibh, gu de tha àireamh mhòr de Ghàidheil a’ bhaile so a deanadh a thaobh nithean Gàidhealach bho’n a sgriobh mi ugaibh mu dheireadh, ach tha lan-fhios agam gu’m bi sibh toilichte chluinntinn gu bheil Gàidheil New York an còmhnuidh a gluasad mar bu nòs, “guallainn ri guallainn,” agus a leantuinn “gu dlùth ri cliù an sinnsir.” ’Se sin gu bheil iad a’ cumail suas gu duineil cànain, ceòl, agus litreachas nan daoine còire bhon d’thàinig iad. Mar tha fhios agaibh, chaidh Comunn Gàidhlig a chur air bonn mu’n àm so n’uiridh, agus air a mhios s’a chaidh, chum sinn le mòr-spéis agus urram a’ cheud choinneamh bhliadhnail. Bha’n talla luma-lan de Ghàidheil chalma, chàirdeil, ghleusda, neart dhiu á “Tir nam Beann” agus mòran á Canada. ’Sann an sin, a Mhic-Chridhe, bha’n lan-aighear ’sam fearas-chuideachd. Bha Niall Dòmhnullach, ceann-suidhe a Chomuiun, ’sa chathair. Air dha facal no dha a labhairt ann am briathran freagarrach, thug piobairean a Chomuinn cuairt air piob thartarach nan dos àrd, a’ ghluais aignidhean nan Gàidheal. Labhair rùn-chléireach a chomuinn na briathran a leanas:—“A luchd-dùthcha; Mu’n àm so ’n uiridh, thachair gu’n deachaidh an ceòl air feadh na fidhle aig cuid de Ghàidheil a bhaile so a thaobh nithean suarach air an dòigh bu chòir Comunn Gàidhlig a bhi air a ghiulan air adhart, agus bho’n a bha Bheurla a tolladh a stigh agus di-mheas ga chur air seann chleachduinnean nan Gàidheal. Smaointich Domhnull Domhnullach agus mi fhéin gu robh e iomchuidh agus freagarrach Comunn Gàidhlig a chur air bonn gu cothrom na Féinne thoirt do’n Ghàidhlig chòir. Nach taitneach ri aithris mar tha cliù a Chomuinn a sgaoileadh am measg nan Gàidheal, agus aig gach coinneamh mhiosail tha meanglan ùr neo-fhailinneach ga chur ri fior-chraobh Ghàidheal New York? De’n reusan dha sin? A chionn nach robh guth mòr na droch fhacal ’nar measg bho’n chaidh an comunn a chur air bonn. Gum a fada a bhitheas sinn san t-suidheachadh sin:— “Mi-dhuinealas duine ri duine ’Chuir na milleonan fo bhròn,” Sibhse ’ma dh’fhaoidte, tha nur coigreich do riaghailtean agus do obair a Chomuinn, their mi ribh, thigibh agus gheibh sibh daonan cuireadh fialaidh a Ghàidheil. Mar a thubhairt Burns:— “Mi féin air Nèamh cha’n iar mi’s féarr Na fàilte Ghàidheil ghasda.” Seadh, na bitheadh nair’ oirbh aideachadh. cho fada ’sa bhitheas an deò ’nur com, gur i Ghàidhlig cainnt ur n-òige; agus theagamh ar briathran deireannach mu’m fàg sinn an saoghal caochlaideach so!! An deigh taing a thoirt do’n luchd-cuideachadh, ghuidh e air gach Gàidheal meas a bhi aig air a chànain. “Tha i measail aig a Bhàn-righ Tha i ainmeil thar an t-saile Si bh’aig Calam Cille gràdhach Nuair a thainig e do I.” A deiga sin thug an t-Olla J. Dyneley Prince òraid eireachdail dhuinn anns a Bheurla. Thubhairt e nach robh fhios aige gun robh Comunn Gàidhlig Albannach ’sa bhaile so, gus bho chionn còrr us se miosan. ’Sann aig h-aon do chruinneachadh a chomuinn a chuala e ga labhairt gu fileanta Gaidhlig bhlasda “Tir nam Beann.” Ghabh e mor speis do’n chanain, a chionn ’se bhi faotainn eolais air cànanain a sholas agus a thlachd. Bh’hirinn a chomhairle air gach neach aig a bheil Gàidhlig is nach urrainn a leughadh no ’sgriobhadh duileag a thoirt á leabhar Professer Prince oir cha’n eil ach mu cheithir miosan bho’n a thòisich e air ionnsachadh na Gàidhlig, gun chuideachadh sam bith ach leabhar “Comunn Gàidhealach Ghlaschu,” MAC-TALLA, us “Caraid nan Gaidheal.” Chuir a Ghàidhlig a labhair e ioghnadh air a h-aon na dha, cha reidh, snasda sa chriochnaich e sa Ghaidhlig leis na briathran a leanas:—“Cha’n urrainn mi fhathast moran ’sa Ghaidhlig a radh, ach their mi so ribh. Tha dòchas agam gu’m faic mi gu luath anns a bhaile so comunn gu bhi air a chur air bonn de bhuill Chomuinn Aibannaich agus Chomuinn Gaidhlig Eirionnaich. Se mo dhùrach gu’m bi bhur Comunn air a bhliadhna tha fo’r comhair a’ seasamh gu dileas ri chach a cheile agus gu’n craobh-sgaoil sibh a’ “’Chanain aosda glòirmhor bhinn A dhuisgeadh fuinn nam bàrd,” anns gach cearna do’n bhaile mhor so.” Labhair mar an ceudna Mr. Wilson Mac Dhomhuill agus Domhnull E. Camshron òraidean a bha taitneach. Chaidh Orain Gàidhlig agus Bheurla a sheinn gu blasda binn le buill a Chomuinn. Na dheigh sin thòisich an dannsa—“ribheannan us fleasgaich òga ’siad an òrdugh grinn gun mheang.” Dh’fhosgail an sgoil-Shèbaid air a mhios sa chaidh. Tha moran a gabhail cothrom air a bhi leughadh facal an Tighearna fo Shàbaid gu Sàbaid: Nollaig chridheil agus Bliadhna mhath Ur dhuibh. ’Smi ur Caraid. Domhnull MacMhuirich TIRITHE.—Chaidh sianar dhaoine a chur an greim ann an Tirithe o chionn ghoirid, agus e air fhàgail orra gu’n do ghoid iad damh a bh’ air bòrd soithich a chaidh a bhristeadh air a’ chladach. A gabhail sin mar bhonn, sgriobh cuid-eigin gu fear de phaipearan an Obain a toirt droch cliù air muinntir an eilean air fad a thaobh coimhead na ochdamh àithne; ach sgriobh duin’ eile na aghaidh a’ toirt a chliù a b’ fhearr air na Tiristeich, agus ag radh nach eil àite mu’n cuairt anns an lugha tha chùram air daoine a thaobh tearuinteachd an codach. Tha bathar air a chur air tir bhar nan soithichean, agus air fhàgail sgaoilte air na laimhrigean fad dha no tri dh’ oidhcheannan; cha’n eil ach dorus gle aineamh air a ghlasadh oidhche ’sa bhliadhna; agus tha soithichean làn guail air am fàgail aig a chladach fad a gheamhraidh, s’ cha n-ìonndrainear pùnnd asda. Tha so uile na dheagh theisteannas do na Tiristeich, agus cha’n eil teagamh sam bith nach eil e uile fior. Ach cha’n eil àite sam bith anns nach bi àireamh de dhroch dhaoine a bhios le’n droch ghiùlan a toirt mi-chliù orra fhéin, agus air an coimhearsnaich a tha onarach. (Air a leantuinn bho taobh 3.) Ciod a ni a’ chuirt as eugmhais Cholasa.” Chunnaic mi rugha an gruaidh an t-seana bhreitheimh; chuala mi a ghuth criteach a freagradh na soraidh chairdeil a chuireadh leis; agus shaoil mi gu ’n do thuig mi cuid de na smuaintean a bha ’luasgadh ’inntinn ’n uair a bha e ’gabhail a chead de ’n aite a bha ceangailte ri chridhe le cho iomadh snaim. Bha mi taingeil gu ’m faca mi ’n sealladh ’s gu ’n cuala mi ’n guth,—thaisg mi le cheile ann am chridhe iad, oir “bha m’ uaill as m’ uachdaran mor.” D. M’K. [TD 199] [Vol. 4. No. 25. p. 7] MEARACHD.—Feumaidh ar luchd-leughaidh ar leisgeal a ghabhail air son mearachd a bha ’san àireamh mu dheireadh dhe’n MHAC-TALLA. Air a 4mh taobh bha litir o ar deagh charaid “Iain,” a bu choir a bhi toiseachadh leis na facail “Naigheachdan as a’ Ghàidhealtachd.” Ach ’nuair a chaidh an clo-bhualadair ’ga cur an clò, dh’fhag e na facail sin as, agus bha’n litir mar sin air a fàgail gun moran brigh, o nach robh fhios aig moran co as a bha i. Tha sinn duilich a bhi againn ri innse gun do thachair sgiorradh beag do “Iain” còir bho na chuala sinn uaithe roimhe. Bhrist e a dha de mheòirean na laimhe deise, agus cha’n eil iad fhathast air leigheas cho math ’sa bha iad. ’Se sin bu choireach e bhi ’na thosd cho fada. Tha sinn cinnteach gu’m bi ar luchd-leughaidh uile duilich so a chluinntinn, agus gu’m bi iad toilichte nach robh a chùis ni bu mhiosa. Tha pris nan each air tuiteam gu h-anabarrach anns na Stàitean a Niar, ach chaidh a phris bu lugha chualas fhathast a phàigheadh air eich ann an California o chionn ghoirid. Chaidh lair eireachdail a reic an la roimhe air da dholair, sgus chaidh each a reic air rup mu’n aon àm air son leth-dolair. ’Se gille dubh a cheannaich e, agus chuir e a’ phris suas gu leth dolair a chionn gu robh e air son an t-srian a bha ’na cheann fhaighinn; cha b’ann idir air son ùigh a bh’aige ’san each. Bha saighdear Eirionnach uair air a thoirt gu cùirt-airm air son bristeadh a stigh do na barracks, ’se sin, streap thairis air a’ bhalla an àite dhol a stigh air an dorus. Dh’ fhaighnich an t-àrd oifigeach dheth car son nach d’ thainig e stigh air an dorus, ged a bh’ itheadh e anmoch a tighinn. “Ma ta le’r cead,” ars an t-Eirionnach, “dheanainn sin, ach cha robh toil agam am fear faire a dhùsgadh.” Anns na h-Innsean, feumaidh gach fear a tha ’cumail taighe ’ainm a bhi sgriobhte os cionn an doruis mar a bhios aig na ceannaichean agus aig luchd-gnothuich eile anns an dùthaich so. Mur bi sin aige cuirear càin throm air. Cha’n eil de shluagh ann an Astralia ach gann còig muilleinean, ach tha iuchd foghluim ag radh gu bheil an t-eilean farsuinn sin làn chomasach air ceud muillein sluaigh a bheathachadh. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 200] [Vol. 4. No. 25. p. 8] Marbhrann do Eachann Mac Aoidh. Tha sinne a nis cràiteach, O na dh’ fhàg thu sinn, Eachuinn; ’S e ar n-iondrainn an tràth so Gu bheil t’ àit’ againn falamh. Bu ro ghoirid an t-eòlas Air do dhòighsa bha againn, Ach bha do bhuadhan cho òirdheirc Rinn mar chòrdaibh mo tharruing. Cheangail m’ anam le gràdh dhuit, ’N uair a bha thu air thalamh; ’S cha dò dh’ fhuasgail am bàs e Ge do chàireadh thu ’n tasgaidh. ’S mòr mo thruas ri do bhanntraich Dh’ fhag an geamhradh so falamh, ’Bha gu foighidneach ciùin Le mor chùram ’g a t’ altrum. Bha do thigh ann an ordugh, Bha do lochran ri lasadh, ’S cha-n iarradh tu t’ fhàgail Anns an fhàsach n’ a b’ fhaidh. Cha b’ eol dhomh ’s an dùthaich Aon cho cliùiteach ri Eachann, ’Thogadh suas leis na h-ainglean Mar bhean-bainnse ’dol dhachaidh. Bha toradh agus blàth ort Mar phailm chraoibh ro mhaiseach, Mar an seudar ro àluinn Os ceann chaich bha thu barraicht’. Bha thu duineil a ’s treubhach, Bha thu eudmhor fo d’ cheannard; Fhuair thu gibhtean a ’s gràsan, Fear do thalant’ bha ainneamh. Bha thu fallain ’s an diadhachd, ’S a riamh cha robh smal ort; Thu tri-fichead bliadhna ’S do cheann liath ri cuir mais ort. Anns a chomunn bu bhlàth tu, A’ measg nam bràithrean bu tairis; ’N uair a thigeadh ùr-ghràs ort Bhiodh do ghràdhsa ri lasadh. Rinn do chreideamh cho dàn thu, Rinn do ghràdh thu cho tairis; Fhnair thu creideamh na dearbhachd, Mu ’n dh’ fhalbh thu dhe ’n talamh. Thu mar leòmhan thaobh treubhachd, Thaobh seamhachd mar leanabh; Thu mar iolair thaobh néamhachd. Agus geuraid do sheallaidh. Ann an labhairt bu treun thu, ’N uair am Béiteil bhiodh t’ anam, Bhiodh seallaidhean néamhaidh Agad féin air an talamh. ’N uair a thigeadh an t-òrdugh Bhiodh sùil gach seòrs’ ri Eachann, Bhiodh bochdan an dòchas Iad ’bhi ’g òl ’s a’ cuir thairis. Bhiodh bochdan an treuda, ’S na feumaich ’bhiodh falamh, Agus sùil ac ri féisde ’N uair a dh’ éireadh tu ’labhairt, Mar Sheanair bu treun thu Air an dreuchd a’ cuir maise; Ann an seirbheìs bòrd Chriosda Le dànachd naomh bhiodh tu ’n toiseach, Tha thu nis anns an Aros, Fear do ghràidh romhad soilleir, ’S tu cho geal ris na reultaibh Anns na speuraibh is gloine. Tha do chlarsach air ghleusadh, Tha h-uile teud innte fallain, ’Us gach aon a thug buaidh A’ cluintinn fuaim do bhuaidh-chaithream. Tha thu ’snamh a chuain shòlais Dheth na dh’ òl thu air thalamh, ’Bha na fhior uisge beò ’Ruith an còmhnuidh á d’ anam. Fhuair thu nis an crùn-glòire, Ri ’n robh do dhòchas cho fada: Fhuair thu talamh Chanaain, Seilbh air lànachd a gheallaìdh. Rugadh Eachann Mac Aoidh ann an Eilean-nam-Muc, ann an Albainn ’s a bhliadhna 1809. Thainig athair agus an teaghlach uile gu America ’s a bhliadhna 1821, agus shuidhich iad aig ceann tuath Loch Ainslie ann an Eilean Cheap Breatuinn, far an do chomhnuich iad ré deich bliadhna fichead. An so phos Eachann Mairearad, nighean Ian Mhic Guaire, a bha ’comhnuicheadh ’s a choimhearsnachd cheudna, agus rugadh dhoibh naoinear chloinne do ’m b’ ainmean, Mòr, Anna, Seumas, Iain, Màiri, Eachann, Dòmhnull, Mùrchadh, agus Uilleam. Anns a bhliadhna 1851 chaidh e fein agus an teaghlach uile (ach Màiri,) air imrich gu mor-roinn Ontario, agus shuidhich iad faisg air Uisge-Tees (Tees Water) ann an Culrois, far an do chomhnich e gu àm a bhàis, air a cheathramh là de mhios meadhonach an fhogharaidh ’s a bliadhna 1869, aig aois tri fichead bliadhna. ’N uair a bha e ’n a chòmhnuidh ann an Ceap Breatuinn bha e air a roghnachadh agus air a shònrachadh mar Sheanair ann an coimhthional Eaglais Chléireach Strath-Latharna; agus an deigh dha dol gu Culrois bha e air a roghnachadh mar Sheanair de coimh-thional Cléireach an àite sin mar an cendna. Bha geur-mothachadh aige air cudthromachd a dhreuchd, shaothraich e gu dileas air son a Mhaighstia, agus bha e a ghnath deas chum fianuis a thogail air taobh Chaiosd. Cha-n ’eil fhios aig fear-sgriobhaidh an iomraidh so co e ùghdair nan rann a leanas; ach feuchaidh iad an meas a bh’ aig a luchd eòlais air Eachann, agus bheir iad an duine urramach as ùr an cuimhne iomadh neach a’ measg Ghàidheil Chanada a chuir eòlas air ré a chuairt. “Air chnimhne gu bràth blthidh am firean. E. MACAOIDH. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 201] [Vol. 4. No. 26. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 4, 1896. No. 26. Litir a Alba. “Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’sa bha e riamh.” MO BHALACH GASDA;—Nan tigeadh fear de na daoine a dh’fhalbh á Alba o chionn da fhichead bliadhna air ais a dh’fhaicinn na dùthchadh is gann a dh’aithnicheadh e i. Cha mhòr gu bheil a h-aon an diugh beò de na daoine a bha ’nan làn mheudachd o chionn da fhichead bliadhna. Agus a chuid a’ tha beò thainig atharrachadh mòr orra. Dh’fhàs iad sean mar a bha nàdurra dhaibh. Fàsaidh na h-uile sean ge b’e àite anns am bi iad. Ach is e an t-atharrachadh a’s mo a thogadh aire duine a chunnaig roimhe iad, an t-atharrachadh aodaich is caiseirt a tha orra. An uair a bha mise aotrom òg, uallach, is gann a bha daoine a’ caitheamh snàile aodaich ach na bha na mnathan a’ deanamh air an cuid clòimhe fhein. Ach an diugh is ann a tha daoine sean is òg na dùthchadh mar is trice air an comhdachadh le aodaichean Gallda. Tha mòran de na mnathan an deis sniomh a leigeadh á cleachdadh. Is ainneamh taigh anns an cluinnear fuaim na cuibhle agus na càrdadh. Tha na mnathan òga ’g am meas fhein os cionn lamh a chur ann an calanas. Ma bhios clòimh aca cuiridh iad air falbh do’n Ghallachd i gus a càrdadh ’sa sniomh. An àite na deadh chlòimhe a chuireas iad air falbh gheibh iad snàth dhachaidh air a dheanamh air pronnasg grànda de chlòimh a bha, ua dh’fhaoidte, ann an aodach roimhe. Cha bhi blàths no buantas anns an t-snàth so. Mu dheidhinn na h-òigridh cha’n eil feum a bhith bruidhinn orra. Tha na nigheanan cho spaidel ri baiin-tighearnan. Tha iad ann an sid còmhdaichte le riomhadh o mhullach an cinn gu bonn an coise. Is ann a bhios faiteachas air bodachan beag mar a tha mise amharc orra a’ falbh an rathaid mhòir. Le adachan ’s le itean; le cleochdanan Gallda; le guntannan grinne; le lamhannan dubha, ’s le brògan as am faiceadh tu d’ fhailleas. Cha’n eil na gillean òga dad air dheireadh air na nigheanan. Cò ach iadsan le an deiseachan glasa; le’m briogaisean gliùine; le am brògan fraochanach; agus le an uaireadairean air an cliathaich. Chi mi fear is fear dhiubh le fàinne buidhe air a ludaig. Gheibh fear fàinne cho buidhe ris an òr air son leith-chrun. “Is iomadh rud buidhe nach òr; is iomadh rud còir a bha dubh.” Tha de phròis ’s de mheud-mhòir ann an daoine òga an latha an diugh na chuireadh sgreamh air na coin. Tha e cruaidh leam so a ràdh ged is e an fhìrinn ghlan a tha mi ag ràdh. Ach ni iad air an socair mu’m bi iad cho sean riumsa. Bheir an saoghal air a shocair fhein srònan dhaoine a nuas glé mhor. Bu mhath riamh uige sin e. Is e an duine glic an duine a bheir an aireair a ghnothach, agus nach bi cosg a h-uile sgillinn a choisneas e ann an aodach riomhach agus ann an nithean gòrach eile. Is iomadh fear is té a chaill air a bhith dlùth-leantuinn an fhasain. Innsidh mi dhut mu na h-atharrachain eile a thainig air an dùthaich anns an ath litir. Is mi do charaid— BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha Nollag. ARABIA.—Tha ceannairc mhor air bristeadh a mach ann an Arabia, an aghaidh Iompaireachd na Tuirce, aig am bheil an dùthaich fo cheannsal o chionn faisg air ceithir cheud bliadhna. Is ann de chreud Mhahomet na h-Arabaich, agus ’se iompaire na Tuirce ard cheann nam Mahometanach air fad, na h-Arabaich a measg chaich. Chòisinn a shinnsirean an inbhe sin leas a chlaidheamh. Cha’n eil gràdh sam bith aig na h-Arabaich dha, ach an àite sin fuath mor, agus ’s ann air sgath seann ghamhlas a tha iad a’ deanamh ceannairc ’na aghaidh. Tha fear Seyyid, a tha de shliochd Mhahomet féin air an ceann, agus ma’s ceannard math e, cha bhi e gle dhoirbh dha a dhùthaich a shaoradh. Tha aon ni a bhios gle fhada ’n aghaidh nan Arabach, agus ’se sin gu bheil iad air an roinn nan treubhan, ’s nan teaghlaichean, air chor ’s nach eil aonachd sam bith nam measg, agus tha sin ’gam fàgail ann an tomhas mor gun neart an àm cogaidh; theid aig an Turcach air blàr a chur ri badan dhiubh an sid ’san so, agus air an dòigh sin an toirt uile gu striochdadh le armailt nach eil ann an àireamh a’ cheathramh uiread ri’n armailt-san. Ach ma’s e ’s gu bheil an ceannard a th’orra na dhuine gleusta, tapaidh, faodaidh e bhith gu’n dean iad aonadh, agus mar sin gu’n cuir iad an ruaig air armailtean na Tuirce. Cha’n eil an Turcach ach air clach-an-turramain mar a tha, ach ma chailleas e Arabia, a chuid a’s fhearr de ’Iompaireachd, cha’n eil teagamh nach cuir e crioch gu buileach air. Agus gu dearbh na’n crioch air gun an Roinn-Eòrpa uile bhi air a tumadh ann an fuil, bu mhath an gnothuch e. AN T-SIDE.—Tha sinn a nise anns a mhios mu dheireadh dhe’n gheamhradh, agus faodaidh sinn a radh nach d’ fhuair sinn blasad air geamhradh fhathast. Cha do thuit de shneachda o latha Samhna na dheanadh rathad sleighe, agus tha ’n t-side briagha, blàth. Cha d’ thàinig deigh ach air na lochan ’s air bun nan aimhnichean, ’s cha’n eil i ach gle thana orra sin fhéin. Tha moran ann a tha dhe’n bharail an bheil an t-side air atharrachadh gu mor anns an dùthaich so o chionn fichead bliadhna, agus cha’n eil e idir ao-coltach. B’ àbhaist a chuid bu mhiosa dhe’n gheamhradh a bhi thairis leis a mhios so, ach a nis o chionn aireamh bhliadhnaichean, cha ’n eil an sneachda ’s am fuachd a’ tighinn gu toiseach an earraich. Tha e mar gu’m biodh an geamhradh an deigh am a thighinn us fhalbh atharrachadh. [TD 202] [Vol. 4. No. 26. p. 2] MORAIR CHOLASA. II.—AN T-UACHDARAN GAIDHEALACH. Bha Cloinn-Neill an inbhe urramaich an Earraghaidheal o chionn ceithir cheud gu leth bliadhna. Cha toir eachdraidh sinn ni ’s faide air ais; ach tha seanachas air gu ’n d’ thainig da bhrathair de Chloinn-Neill á Eirinn iomadh linn roimhe sin; gu ’n do thuinich fear dhiubh an Earraghaidheal, ’s gu ’n deachaidh am fear eile mu thuath. Tha e air ’aithris gu ’m be am fear mu dheireadh so a bu phriomh-athair do theaghlach Bharra. Fhuair clann an fhir a dh’ fhan an Earraghaidheal coir air Caisteal Suain o Dhomhnullach nan Eileanan ’s a’ bhliadhna 1422. Corr a’s da cheud bliadhna ’n a dheigh sin, ’n uair a bhriseadh cumhachd nan Domhnullach gu tur ’s na h-Eileanan, fhuair Diuc Earraghaidheal còir air Colasa. Bhuineadh an t-eilean ’s an am sin do Chlann-a-Phi, agus do bhrigh gu’n do lean iadsan aobhar nan Domhnullach, thug an Diuc seachad a choir air Colasa do Mhac-Neill air son fearann Airidh-Chonain a bh’ aig an teaghlach ’s an am. Chaidh Mac-Neill le feachd do Cholasa; ghlac a’s mharbh e Mac-a-Phì; agus tha’n oighreachd an lamhan an teaghlaich gus an la diugh. Bha Cloinn-Neill Cholasa ’n an daoine treun, gleusta—baigheil ri ’n sluagh, agus fo mhor-mheas aig an luchd aiteachaidh. Tha e air aithris gu ’n robh athair Dhonnachaidh ’n a dhuine dreachmhor, tuigseach, foghluimte. Bha ’mhathair de theaghlach an Dun-mhoir, ainmeil ’n a latha air son eireachdas a pearsa agus beothalachd a h-inntinn. Rugadh do’n chàraid uasail so teaghlach mor—seisear mac agus ceathrar nighean—agus is fior e nach robh, da fhichead bliadhna roimhe so, teaghlach eile ’n Albainn a b’ eireachdaile na teaghlach og Cholasa. Cha b’ e Donnachadh a mhain a thug dearbhadh air buaidhean ard ’s an teaghlach. Chaidh am mac a bu shine—Alasdair—a bhathadh ’s an Orion ’s a’ bhliadhna 1846, air a’ cliaoidh gu trom an Earraghaidheal o gu h-araid an Colasa. Chum an ceathramh mac—Calum Og—a suas cliu an teaghlaich mar dheagh shaighdeir. Tha an treas mac—Sir Iain—fathasd a lathair*, agus a nis ’n a uachdaran air Colasa. Ann an rioghachdan cein—ann am Persia agus an Russia—choisinn esan mor urram dha fein agus do ’n teaghlach o ’n d’ thainig e. Fhuair Morair Cholasa seilbh air oighreachd ’aithrichean ’s a’ bhliadhna 1844. ’S an am sin, agus fad iomadh ginealach roimhe sin, bha suidheachadh an t-sluaigh ’s an eilean sin mar bha e ’m bitheantas air na h-oighreachdan a lean an lamhan nan sean teaghlaichean. Bu lionmhoire daoine na caoraich ann. Cha robh mal trom; bha ’n t-eilean torach, ainmeil air son buntata ’s crodh dubh. B’ aite Colasa anns an togteadh teaghlach air gle bheag. Rachadh am mal a phaigheadh le ceilp ’s le gamhuinn firionn, ’s an teaghlach a bheathachadh air beagan mine, moran buntata, ìm, a’s bainne. Cluinnidh sinn o chuid gu ’m b’ i sud an tim shona do Ghaidheil, ’n uair a bha ’n sluagh lionmhor, caoraich gann, ’s tighean ’s rathaidean-mora mar a dh’ fheudadh iad. Cluinnidh sinn o chuid eile, gu ’n robh sluagh na Gaidhealtachd ’s an am ud ’n an traillean, ann an suidheachadh a bha suarach do dhaoine saor a bhith, fo smachd ’s fo chumhachd neach a bha dhoibh mar Thighearna ’s mar Righ. Is i mo bharail gu bheil beagan de ’n fhirinn air an da thaobh; ach tha ’n so ceist fharsainn, air nach ’eil tim a bhi ’leudachadh air an am, ’s air a bheil caochladh barail aig na daoine is mo a smaointich mu ’deidhinn. Bliadhna no dha ’n deigh do Mhorair Cholasa an oighreachd ’fhaotainn, dh’ fhailnich am buntata, agus bha mar so, mor-chudthrom air a chur air iomadh uachdaran gu h-araid ’s a’ Ghaidhealtachd. Bha ’n sluagh lionmhor, ’s bha ’m beo-shlaind gu grad air a ghearradh air falbh. Chaidh suim mhor airgid a thogail air feadh na rioghachd air son daoine a bha ’basachadh le gort a chumail beo. Thar cuid de oighreachdan sguabadh air falbh an sluagh bochd gu neo-iochdmhor do bhailte-mora ’s do rioghachdan cein. Air cuid eile ghleidh na h-uachdarain, le mor-chostas dhoibh fein, beo an sluagh, choisinn iad mor urram ’s an rioghachd air son fialuidheachd. Air oighreachd bheag Cholasa ghabh an t-uachdaran atharrach doigh air an am chruadalach a bha sud ’fhaotainn seachad. Cha robh e ’creidsinn gu ’m bu ni ceart sluagh a bheathachadh ’n an tamh. Bha e tuillidh ’s uaibhreach air son cuideachadh a ghabhail o choigrich; bha e tuillidh ’s ceart air son an luchd-aiteachaidh ’iomain air falbh ged a bha ’n uallach air fein. Bha tanachadh feumail gun teagamh do ’n t-sluagh ’s do’n uachdaran, ach bha e ceart a’s freagarrach gu ’m biodh an tanachadh so air a dheanamh gu foighidneach ’s gu curamach. Thoisich Morair Cholasa air a bhi ’cur air aghaidh oibrichean feumail a chum leas na h-oighreachd agus an t-sluaigh. Re fhichead bliadhna, gun sgios gun sgur, bha ’n obair a’ dol air a h-aghaidh, agus bha ’n sluagh a’ faotainn cothrom air a bhi cumail an teaghlaichean le obair an lamha fein, ’s a ’g iunnsachadh dicheall, aghartas, agus eolas a bhiodh feumail dhoibh, ge be aite a ’m b’ eigin dhoibh a bhith na dheigh so. Bha ceann glic an uachdarain a’ dealbh gach obair a rachadh air bonn; bha ’shuil gheur a’ faicinn na h-obair air a criochnachadh gu ceart; agus bha ’eisempleir o la gu la, ’s o bhliadhna gu bliadhna am measg an t-sluaigh ’n a dheagh iunnsachadh air foighidinn, dicheall, gleustachd, agus soirbheachadh. Re na h-uine a dh’ ainmich mi chaidh tighean a’s aitreibh, gàraidhean a’s geataichean, a chur suas a chosd miltean punnd Sasunnach; chaidh rathaidean-mora a ghearradh roimh ’n eilean o thaobh gu taobh; chaidh acarsaid ur a dheanamh; tighean-sgoile ura; an eaglais a chur suas, a’s ministeir suidhichte ’fhaotainn do ’n eilean; ceudan de dh-acraichean fearainn a thoirt a’s ur fo àiteach; innealan a’s beairte-treabhaidh a thoirt thar Galldachd, agus Goill ’n an cois a chum an deagh laimhseachadh iunnsachadh do ’n luchd-aiteachaidh; atharrach stuic; atharrach poir; duaisean dhoibhsan a bu sgileile air treabhadh ’s air àiteach fearainn. Cha robh, gun teagamh, tuaireasdail mor, ach bha obair cinnteach, bha paigheadh cinnteach, ’s bha ’n t-iunnseachadh maith. Bha ’n t-eilean o shean ainmeil air son crodh dubh a’s spreidh, ach fo uachdranachd a’ Mhorair dh’fhas e ni b’ainmeile. Cha robh spreidh air Gaidhealtachd a bu trice ’gheibheadh duais aig cruinneachadh, no b’ airde reiceadh air feill na treud Cholasa. Fhuair Morair Cholasa an oighreachd le tighean air dhroch càramh, le aiteachas fad air ais. Rathaidean-mora cha robh idir ann. Bha ’n sluagh lionmhor,—ann am bheachdsa ro lionmhor,—toilichte ann an tomhas, ach a’ ’*sa bhliadhna 1874. [TD 203] [Vol. 4. No. 26. p. 3] mhor chuid diubh air dhroch cothrom. Fichead bliadhna ’n a dheigh sin, cha robh oighreachd eadar am Parbh a’s Maol-Chinntire anns am faiceadh fear-turuis tuilleadh de chomharan comhfhurtachd am measg an t-sluaigh. Chaidh moran de ’n t-sluagh re na h-uine sin air imrich do dhuthchannaibh cein—gu h-araid do Chanada; ach bha so comharraichte mu thimchioll na h-imrich á Colasa, nach d’ fhag aon an t-eilein an aghaidh a thoil fein, gu ’n d’ fhalbh a’ chuid mhor diubh air costas an uachdarain; agus (ged gheibhear barrachd Cholasaich an diugh air falbh na gheibhear aig baile) gu bheil iadsan a dh’ fhan, a dh-aon sgeul ma ’n tlachd ’s mu ’n speis do ’n uasal a b’ uachdaran thàiris orra. Cia mar fhuair Morair Cholasa, am measg nan dleasdanais chudthromach a bhuineadh d’a dhreuchd, uiread d’a uine ’s d’a aire a chur air leth air son gnothuichean ’oighreachd ’s a shluaigh, tuigidh iadsan a mhain aig a bheil eolas air na chuireas duine gleusta nach ’eil uair sa bith ’n a thamh seachad de dheagh obair. Ged nach robh duine ’n Albainn aig am bu mho bha ri dheanamh, no bu churamaiche ’bheireadh air a dhleasdanas an esan, fhuair e cothrom air tri miosan de gach bliadhna ’chur seachad an Colasa, agus air a bhi mion-eolach air gach neach ’s gach ni a thachradh ann. Bha iomadh uachdaran Gaidhealach, creididh mi, a bu mho ’tharruingeadh speis sluaigh, air bheag eolais, na Morair Cholasa; ach ’s i mo bharail gur gann a bha Tighearna ’s a’ Ghaidhealtachd o chionn ceud bliadhna a choisinn uiread urraim agus tlachd o gach neach d’ a shluagh fein, ’s a choisinn an t-uasal ainmeil so o gach Colasach, ge b’e aite an robh no bheil iad. Cha robh Baird an Colasa a sheinneadh a chliu; agus, ma dh’ fhaoidte, nach cordadh moran d’a dhoigh ris a’ chuid mhoir de na Baird Ghaidhealach a sheinn o chionn da cheud bliadhna. Bu duine e aig an robh firinn a’s ceartas mar riaghailt stiuiridh air ’oighreachd an Colasa cho maith a’s anns a’ chuirt an Duneideann. Duine cruaidh, cumhnantach, theireadh cuid; ach, a reir mo bheachd sa, cruaidh ris an leisgein a mhain. Ris an dicheall, ris an fheumach, bha e caoimhneil, seirceil, còir. Agus gheibh firinn agus ceartas buaidh thairis air inntinnean agus cridheachan Ghaidheal cho maith ’s thairis air duilean a’ chruthachaidh mhoir gu leir. Na ’m biodh uachdarain Ghaidhealach a’ buntainn ri ’n sluagh air an doigh so, saolidh mi nach bu lughaide ’n cliu am measg an iochdarain fa dheireadh. Na ’n cleachdadh iad fas ni b’ eolaiche air cor ’s air feum an t-sluaigh; a ghabhail orra fhein mar dhleasdanas an sluagh a theagasg le ’m focal ’s le ’n eiseimpleir gu deagh dheanadas; cothrom a thoirt do’n dicheall, an uair a bheireadh iad achmhasan de ’n t-slaodaire; agus thar gach ni, a leigeil fhaicinn do ’n t-sluagh gu ’n robh iad fein ’s am fior-leas gu tric ’n an smuaintean, ’s nach fuilingeadh iad eucoir a dheanamh air aon diubh le neach air bith ’n an ainmsan, chluinneamaid mi bu lugha mu thimchioll cruaidh-chas nan Gàidheal, ni bu lugha mu sgapadh theaghlaichean air son aite ’dheanamh do dhaoine ’s do fheidh. B’ ann mar so a chunnaic mi Morair Cholasa—re fhichead bliadhna—a’ dol mu ’n cuairt am measg a chuid daoine. Duine e fein a fhuair urram am measg ard-chomhairlichean na rioghachd nach d’ fhuair Gaidheal eile ’n ar latha-ne; ach a lean ri canain ’s ri cleachduin ’aithrichean cho dlu ’s ged nach fagadh e riamh Colasa. Cha robh duine air ’oighreachd air nach robh e mion-eolach. B’ aoibhinn leis an soirbheachadh; bu duilich leis an uireasbhuidh; Gu sunndach, foighidneach, suairce, labhradh e ris an neach a a b’ isle ’n a chainnt fein. Cha chualas riamh focal suarach as a bheul; cha ’n fhacas riamh cabhag air ’n uair bha gnothuch ri ’dheanamh. Bheireadh e ’thuarasdal do ’n bhuachaille-laogh cho suilbhearra ’s cho modhail ’s a ghabhadh e mal o ’n tuathanach. Ri gearan nam bochd bha ’chluas an comhnuidh fosgailte. Cha robh truas aige do ’n lunndaire no do ’n mhisgeir; ach b’e caraid na bantraich ’s nan dilleachdan e,—uachdaran, a dh’ aon fhocal, a bha “chum dioghaltais air luchd-deanamh an uilc, ach chum cliu dhoibhsan a ni maith.” Bu bheatha so, agus b’ eiseimpleir so, ann am bheachdsa,—nach ’eil a’ creidsinn gu bheil “leughadh a’s sgriobhadh a’s cuuntas” uile-chumhachdach air son iunnsachadh sluaigh,—a b’ eifeachdaiche na obair fichead maighstir-sgoile, agus, le cead na cleire, leth-dusan ministeir. Agus bha ’bhuil. Am mach á Gàidhealtachd Albainn tha e do-thuigsinn an t-urram agus an speis a bh’ aig a dhaoine dha. Fhuair an luchd-lagh an Duneideann a dhealbh air a tharruing, ’s cha ’n ’eil uair a choisicheas mi ’n luchairt aluinn ’s am bheil an dealbh crochte, nach tog mo chridhe ’n uair a chi mi air a nochdadh an tlachd agus am meas a bh’aig a chomh-luchd-dreuchd air-san a bha cho fada air an ceann; ach cha ’n’ e so dealbh is mo a bheothaicheas mo chuimhne air maitheas an uasail a nis nach mairionn. Chaidh a dhealbh a tharruing air iarrtas luchd-aiteachaidh Cholasa o chionn se bliadhna, na eudach clo mor bha e cleachdte ri dol mu ’n cuairt ’n am measg; agus chi mi ’n so comharra nach ’eil tric ri fhaicinn air speis iochdarain da’n uachdaran. Chithear an dealbh so crochte an aite-tuinidh a’ ghille oig Cholasaich ’s a’ bhaile mhor; chithear an tigh an tuathanaich an Colasa e; chithear am bothan na bantraich e, agus chithear aoibh a gnuis roimh a deoir ’n uair a dh’ innseas i d’ a dilleachdain laga mu ’n uasal urramach a dh’ fhaodadh a radh, le Fionn e shean, “Bha ’m feumach riamh ri mo laimh, ’S dh’ fhas an lag dana fo m’ chruaidh.” Cha ’n ’eil eagal gu’n teid a leithid so de bheatha air dichuimhn’; agus cha maith an comharra ma theid “fhad ’s a dh’ innsear sgeul an Gaidhlig.” Chi sinn gu bheil uaislean Earraghaidheal a’ cur air a bonn cuimhneachan dha an tigh na Siorrachd an Inbhir-aora, agus tha so freagarrach. Tha fios againn gu bheil muinntir Cholasa a’ cruinneachadh airgid air son a chuimhne a ghleidheadh ur do ’n dream a thig ’n an deigh ’n an eilean fein, agus tha dochas againn nach ’eil Colasach am muigh no aig baile a chluinneas iomradh air run a luchd-duthcha nach “cuir clach ’n a charn.” Gun teagamh, as eugmhais carra-cuimhne, bithidh e fior an Colasa, “Gus an crion gu luaithre a’ chlach, ’S an searg as le h-aois a’ gheug, Gus an sguir na sruthain a ruith, ’S an deagh mathair-uisge nan sleibhtean; Gus an caillear an dilinn aois Gach filidh, ’s dan, a’s aobhar sgeil” nach feoraich an t-aineol “Co Morair Cholasa?” ach gidheadh tha e iomchuidh gu ’m biodh cuimhne an uasail agus speis an t-sluaigh dha air an comharrachadh re iomadh linn do choigrich. Cha suidh oidhre ’n a chathair. Cha ’n ’eil ’uir am measg a shluaigh. An tir choimhich bhasaich e; an Duneideann dh’ adhlaiceadh e. Bu cheol mu ’n cuairt d’ a chreathail an Orasa “meaghal mhiol-chon (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 204] [Vol. 4. No. 26. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 4, 1896. BLIADHNA MHATH UR. Tha MAC-TALLA anns an àireamh so a’ cur fàilte na Bliadhn’ Uire air a luchd-leughaidh uile, agus a’ guidhe gu’n soirbhich gach ni gu math leotha air a bliadhna air am bheil sinn a nis air tòiseachadh. Tha a bliadhna 1895 a nise air a h-àireamh am measg nan làithean a dh’ aom. Cha bhuin i dhuinne ni’s fhaide; tha i air ar fàgail, agus tha i gach latha ’g imeachd ni’s fhaide agus mi’s fhaide uainn. Cha’n fhada gus am bi i a’ dol as ar cuimhne, agus ann an ùine gle ghearr, cha bhi de dh’ eòlas aig an t-saoghal oirre ach a mhàin na gheobhar troimh eachdraidh. ’Nuair a thainig a bhliadhna so dh’ fhalbh a stigh, bha cogadh a’ dol air adhart eadar dithis de rioghachdan na h-airde Near, Sina agus Iapan. ’S i Iapan an dùthaich a’s laige ann an àireamh a sluaigh, ach tha i beothail, adhartach, agus ann an iomadh dòigh suas ri gin de dhùthchannan na Roinn-Eòrpa. ’Si Sina air an laimh eile an dùthaich a’s mò sluaigh a tha air an t-saoghal, ach tha i fad air deireadh air Iapan na dòighean-riaghlaidh, agus ann an sgil cogaidh. Mu’n robh iad ùine mhor a’ cogadh, bha e soilleir do na h-uile gu’m biodh Iapan buadhach, agus ’s ann mar sin a bha. Thug i Sina gu striochdadh, agus mur biodh Ruisia a dhol ’san eadraiginn, bha Sina ann an tomhas mor fo a spòig an diugh. Ach thug Ruisia oirre gabhail le suim airgeid a phàigheadh cosgais a chogaidh, agus Eilean Formosa. An deigh an t-sith a dheanamh eadar an da dhùthaich ud, thòisich fathunn air tigh’n a Armenia mu mhurt ’smu mharbhadh a bha air a dheanamh leis na Turcaich air na Criosduidhean. Cha robh daoine a’ creidsinn gach sgeòil a bha tighinn an toiseach, ach tha e nise air a dhearbhadh gur ann a bha iad uile tuilleadh us fior. Tha na Turcaich a déiligeadh ri Criosduidhean Armenia air dhòigh a tha an-iochdmhor agus brùideil. Cha’n eil iad idir ’nan càradh cho math ’sa tha beothaichean na machrach. Ach so ni iongatach: tha rioghachdan na h-Eòrpa an guaillibh a chéile aig dorus na Tuirce ag iarraidh ceartais do na h-Armenianfch, tha de ghunnaichean-mora aca na chuireadh Iompaireachd an t-Sultain bu o sceann ann an ceithir uairean fichead, ach a dh’aindeoin sin uile tha’m murt ’sam marbhadh a’ dol air adhart gun lasachadh, tha’n sgeula brònach ceudna tighinn a Armana na h-uile seachdain, ’s tha ’n sgrios cianail cho fada o bhi air a chasg ’sa bha e’n latha thòisich e. Thainig ni eile mu’n cuairt deireadh na bliadhna a tha bagart cogadh aobharrachadh, ’se sin a chòmhstri a th’ eadar Breatuinn us Venezuela, agus an dòigh a tha na Stàitean a’ cur roimpe gnothuichean a réiteach dhaibh. Ma ’se ’s gun tig cogadh as a’ chùis, bidh e ’na chogadh searbh, agus sgriosail taobh air thaobh, ach tha gach aon ach na Stàitean fhéin ag aideachadh gur ann aig Breatuinn a tha chòir, agus ma theid i chogadh gur h-ann dha h-aindeoin. Tha gnothuichean a nise ’g amharc ni’s fhearr, agus tha dòchas làidir nach bi cogadh ann idir. Tha sinn an dòchas nach tig na cogaidhean a tha bagradh aig an àm so, ach gu’m bi a bhliadhn’ ùr so ’na bliadhna shìtheil agus shoirbheachail. Tha’n cogadh ann an Cuba a’ dol air adhart fhathast, agus cha’n eil a choltas air gu bheil taobh seach taobh a’ buannachadh a bheag. Tha an cogadh a cosd uamhais airgeid do’n Spàinn, agus tha moran a deanamh a mach ma theid aig na ceannaircich air seasamh a mach na h-aghaidh gu toiseach an t-samhraidh, gun toir i suas. Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air slaoightear. Am fear is ’n dàn a chroich, cha d’ theid gu bràch a bhàthadh. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 205] [Vol. 4. No. 26. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh gille beag le Aonghas Mac Leòid ann am Port Morien a bhàthakh DI-luain s’a chaidh. Bha e-fhéin us ballaich eile a’ cluich air an deigh air Sand Lake. Thuit e ann an toll, a bh’air a chòmhdach thairis le sgreabhag thana de dheigh, agus mu’n d’ fhuaireadh a dhol ’ga chuideachadh, bha e air a bhàthadh. Cha robh an giullan bochd ach da bhliadhn’ deug a dh’ aois. Fhuaireas sgeul o chionn ghoirid ag innse gu robh an t-Urr. Iain Caimbeul Màrtuinn, a tha na mhisionaraidh anns an Turic, air a chur an priosan leis na Turcaich, an deigh droch dhiol a dheanamh air air gach dòigh. Bha biadh us cadal air a chumail naithe fad thri latha, agus cha gach tàire a b’ urrainn daibh air a thoirt dha a bharrachd air sin. Buinidh Mr. Màrtuinn do Eilean a Phrionnsa. Chaidh Caiptean Deorsa E. Pearcy a mhuinntir Newfoundland, a bhàthadh aig beul acarsaid Shìdni a Tuath Di-sathairne s’a chaidh. Bha e na sheasamh air mullach fear de na taighean aig deireadh an t-soithich, a’ cur air dòigh rud-eigin ma na siùil ’nuair a chaidh a thilgeadh thar na cliathaich le tulgadh an t-soibhich, Chuireadh stad air an t-soitheach gun dàìl, agus chuireadh bàta mach, ach cha d’ fhuaireadh esan gus an robh e tuilleadh us anmoch. Bha e air a thurus dhachaidh gu St. John’s an deigh a thilleadh a Brazil, agus thaghail e ann an Sidni Tuath air son luchd guail a thoirt leis dhachaidh, agus ’s am an deigh dha am port fhàgail a thachair an sgiorradh muladach leis ’n do chaill e a bheatha. Ghabh Saor Chlachairean a bhaile cùram de ’chorp, agus bha e air a chur air falbh air té de na soithichean smùide Dior-daoin. Bha e da fhichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois, àgus dh’ fhàg e bean, dithis mhac, us dithis nighean. Bha tè do na h-igheanan, aois shia bliadhn’ deug, air an t-soitheach còmhla ris. Chaidh an Comunn Albannach air an d’ thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh, a chur air chois oidhche Di-luain s’a chaidh, fo’n ainm “Comunn Caledòineach Cheap Breatunn.” Tha còrr us deich buill fhichead ann cheana, agus tha dùil ri moran eile bhi dol a stigh a cheud chothrom a gheobh iad. ’Se rùintean a chomuinn so a bhi cumail suas cainnt, ceòl, litreachas, agus cleachdaidhean nan Gàidheal ’s nan Gall Albannach, agus a bhi deanamh co-chomunn ri chéile. Faodaidh neach sam bith a tha de shliochd Albannach, agus a rugadh no tha ’còmhnuidh ann an Ceap Breatunn a bhi ’na chall dhe’n chomunn. Bha Iain Siosal, á Antigonish, a’ piobaireachd do ’n chomunn aig a’ cheud choinneamh ’s e sgeadaichte anns an deise Ghàidhealaich. Tha sinn an dochas gu’m bi soirbheachadh math leis a Chomuun, agus gu’n bi gach blìadhna theid seachad ’ga dheanamh ni’s mo agus m’s mo na mheadhon air a bhi meartachadh càirdeas Ghàidheal Cheap Breatunn d’a chéile, agus a meudachadh am bàigh ri dùthaich an sinnsireachd. ’Sa mhaduinn latha Nollaig, bhrist meairlich a stigh do thigh fear Mr. Tadini, ann an Sidni Tuath, agus ghoid iad leotha gach sgillinn airgeid air an d’ fhuair iad greim. Bha muinntir an taighe anns an aifhrinn aig an àm, agus thug sin an deagh chothrom do na meairlich. Fhuair iad a stigh troimh ’n t-seilear, agus cha mhor gu’u do dh’fhàg iad ni fo dhruim an taighe gun a chum run os ceann ag iarraidh airgeid. Fhuair iad eadar leth-cheud us tri fichead dolair. Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast cò iad, ’s cha’n eil e ro choltach, gu ruige so, gu bheil doigh air an lorgachadh a mach. Chaidh dithis ghillean òga a bhàthadh aig Frenchvale Di-dòmhnaich s’a chaidh. Dh’ fhag iad an dachaidh aig a Mhèin Chopair ’sa mhaduinn, agus am feadh ’sa bha iad a’ dòl thairis air dama muilne (le Iain Mac Leoid), bhrist an deigh fopa, agus chaidh am bàthadh le chéile. Cha robh duine timchioll aig an àm, ach ’nuair nach d’ thainig iad dhachaidh feasgar, ghabh am pàrantan eagal gu ’n do dh’éirich rud-eigin dhaibh, agus chaidh daoine mach ’g an iarraidh. Fhuaireadh an cuirp an grùnnd na dama ’sa mhaduinn Diluain, ann an ochd troighean de dh’ uisge. Cha robh am fear bu shine dhiubh, mac do Mhicheil Mac Suain, ach seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear eile, mac bantrach Alasdair ’Ic Leòid, ceithir bliadhn deug. Bha iad air an tiodhlacadh latha na Bliadhn’ Uire. Tha an latha a’ fàs ni’s fhaide; tha gach seachdain a cur àireàmh mhionaidean ris. Aig toiseach a mhios, bha ’ghrian ag èiridh ochd mionaidean deug air fhichead an deigh seachd, agus a dol fodha leth-uair an deigh ceithìr. Cha robh dh’ fhad anns an latha mar sin ach ochd uairean ’s leth-cheud mionaid ’sa dha. An latha mu dheireadh dhe ’n mhios, eiridh a ghrian seachd mionaidean deuga ni’s tràithe agus thèid i fadha seachd mionaidean deug’ air fhichead ni’s anmoiche na air a cheud latha. Tha ’n latha mar sin a gleidheadh uair ach sia mionaidean air a mhios so. Ann am Manitoba tha ’n latha ’n drásda dlùth air tri chairteil na h-uarach ni’s giorra na tha e againne; an latha mu dheireadh dhe’n mhios, cha bhi e ach leth-uair ni’s giorra, agus air an aonamh latha fichead de mhios meadhonach an t-samhraidh, bi’dh uair us naodh mionaidean de sholus latha aig muinntir Mhanitoba a bharrachd air na bhios againne. Saolaidh cuid gu bheil so iongatach, ach iongatach ’s ’ga bheil e, tha e fior. Chaidh tigh comhnuidh ’na theine ann an Columbus, Ohio, ’sa mhaduinn Dior-daoin, agus bha fear an taighe, a bhean, dithis chloinne, agus dithis mhnathan òga bha fuireach còmhla riutha, air an losgadh gu bàs. Fhuair an duine bochd ceathrar de’n chloinn a shàbhladh, ach an deigh sin rug an teine air fhéin, ’s chaill e a bheatha. Is sleamhuinn a’ chlach a tha ’n stairsnich an taigh mhoir. Caradh Uaireadairean fad an da mhios s’a tighinn. GLANADH $0.60 MAINSPRING .60 AN DA CHUID 1.10 Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi. W. H. WATSON. Sidni, C. B. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 206] [Vol. 4. No. 26. p. 6] Litir a Port Hood. FHIR-DHEASACHAIDH IONNHUINN;—Faigh $1,00 airson an cuir thu ugam bliadhn’ eile do MHAC-TALLA. Tha mi gle thoilichte fhaicinn gu’m bheil Clòdh-chlar a nis aig Mac-Talla dha fhéin. ’S dearbhadh soilleir sin do luchd-teagamh gu bheil e gach latha ’buannachd grùnnd, ged a bha iomadh aig radh, ’nuair a chunnaic iad e an toiseach, nach robh a shaoghal fada. Ged a bha tuilleadh ’sa chòir dhe’n t-seòrsa sin ann, gidheadh, bha na measg de dhaoine treibhdhireach, tir-ghràdhach na thug fasgadh dha le faoilteas ’nuair a thainig e na “mhacan” beag a dh’iarraidh an aont’ agus beagan cuidichidh. Bha moran dhiusa’ chuir cùl ris, a’ gabhal mar leisgeul gu robh e cho beag ’s nach b’fhiach e bhi ris. Bu choir dhaibh so a thoirt fa-near nach robh MacTalla, ’snach e’il fhathast, ach an toiseach a ghluasaid—Na daoine is ainmeil a bha air an t-shaoghal b’eiginn dhaibh a bhi greis ag imeachd air mhàgaran ma’n deach ac’ air coiseachd. Tha MacTalla na ’s fhearr na sin—cha robh altrum a dhith air, us cha robh e na thrioblaid daibhsean bho robh duil aige ri cuireadh. Na bheil e ’siridh se na’s lugha na da shent ’san t-sheachdain agus thig e ’h-uile seachdain gu riaghailteach uchdasan a phaigheas am priobaid beag sin. Bu choir am paipear so a bhi tighinn do na h-uile tigh Gaidheal agus paighedh air a shon oir tha e, cha’n e a mhàin, a cumail suas ar cainnt mhathaireal ach tha e ’n deigh a dusgadh ann an iomada aite anns a robh i air cadal gu bulach. Tha moran a their nach teid ac’ air Gaidhlig a leughadh; faodaidh sin a bhith ach neach a bhruidhneas Gailig is a leughas beurla ma dh’fhiachas e le dìchioll, ann am beagan ùine theid aige air Gailig a leughadh. Tha dearbhadh agams’ air sin oir dh’fhiach mi e. Tha duine anns an tigh a’s fhaisg’ orm a tha gabhal a Chasket; bha laoidh ann an Gàilig ann agus thainig e airson mi ’ga leughadh dha, ni a rinn mi gu toileach. Thòisich e fein air an sin agus mise ’gradhain nam faclan roimhe. Chum e air chumhne pàirt dhiu, agus thainig e an ath latha us rachadh aig air roinn mhath de na faclan a leughadh. Sheòl mi e a ris agus thuirt mi ris na’n gabhadh e MAC-TALLA nach b’fhada gus a leughadh e e. Chuir e ’ga iarraidh agus ann am beagan ùine cha’n eil facal dheth nach deid leis a leughadh. ’Se duine e nach do chleachd a bhi labhairt na Gàilig ach gle bheag oir chuir c seachad moran dhe uine anns na Stàiden. Faodaidh so misneach a thoirt do neach aig am bi toil Gàidhlig a leughadh. Tha’n dùthaich làn de dhaoine a leughas MAC-TALLA—a h-uile smid dheth ma gheobh iad an iasad e (agus cha chuir iad air ais idir e) ach ma their thu riutha cur ’ga iarraidh “cha leuge mi ach facal an sid ’san so dheth.” Tha mo litir air fàs tuilleadh is fada, ach o nach eil i math tha mi airson “tomhas pailt a chuir ann dhi.” Bha mo ghoistidh innse dhomh an oidhche roimh ma’n chùbair—duine bha, na nadur, gle dhoirbh; bhiodh e fhéin ’sa bhean air uaireabh gle neo-chompanda. Thainig còmhdadh eadar iad air lath’ àiridh, dh’fhas an gnothach cho teth ’sgur ann a bha an cùbair as deigh na mna air son a dochunn, ’sa toirt leis lorg de chearcall theich ise ’mach ’s ma-chuairt an taighe a ghabh iad—ise ag eibheach muirt—us bear is cha bhear aig an duine oirre. Bha duine eile a tighinn an rathad, ’s chual’ e’n ùpraid fada ma’m fac e iad. S’e bh’ann gu robh e air thuair a bhi air muin a chùbair airson a bhi dol a mhurt na mna. “A thrusdair,” thuirt e, “tha mi smaointeachadh an lorg sin a chosg ma’d dhruim. An ann am beachd do bhean a mhurt a tha thu?” “O cha’n ann, cha’n ann,” ars’ an cùbair, “’sann a tha ’n creutar air fior dhroch cnatan a ghabhail is bha mi airson falus a chuir dhi.” “Cha b’ aithne dhuts’ Uilleam, (thuirt e,) duins mor ’s e gle neo-bhriadha. Bhiodh e daonnan a faighinn coire do’n mhnaoi airson nach cumadh i gnothaichean mar bu chòir dhi. Bhiodh e gu sònnraichte ’trod ma dheighinn nan laogh nach robh i ’ga ’m biathadh riaghailteach no ceart. Bha e air thuras uair, e-fhéin ’s duine no dithis eile, bha an latha fuair ’s cha b’ fheairde coltas Uilleam sin dad. Ach dh’ aimis na laoigh air ’s ’nuair a bha e féin ’s na doine eile tiotadh beag a’s tigh thuirt e, “A mhor, tha mi gach latha a bruidheann ma na laoigh ud feuch an toir mi ort a bhi gu math dhaibh ach cha dean sin feum; tha nàire orm am faicinn am measg laogh nan coimhearsnach.” “Ma ta,” ars ise, “tha nàire ormsa thu féin fhaicinn am measg na ’n comhearsnach.” V. (Air a leantuinn o thaobh 3.) ’cleasadh ard,” geumnaich bha-laoigh, ’s gaoir a’ chladaich; agus b’ e miann muinntir Cholasa gu ’n laidheadh e “an eilean fuar nan geotha crom” ri taobh ’aithrichean “gus am biodh cadal na h-uaighe criochnaichte.” Ach cha do thachair mar so. Soraidh mhaith, ma ta, agus soirbheachadh leosan a tha ’deanamh ni ’s urrainn doibh air son cuimhneachan a chur air bonn do ’n Ard-urramach Morair Cholasa. D. M’K. Litir a St. Anns. FHIR-DEASACHAIDH:—Ged nach eil mi ’sgriobhadh gle thric do ’r n-ionnsuidh, smaoinich mi gu’n deanainn sin air an turus so. Tha muinntir Cheap Breatunn uile gle thoilichte bhi faicinn litrichean Iain Rothaich á New Zealand, a tha tabhairt mor eòlais dhaibh air cor nan nan daoine dh’ fhalbh as am measg, agus air cleachdaidhean nam Maories, agus iomadh ni eile air nach cluinneadh iad iomradh am feasda mur biodh a chuid litrichean-san ’sa MHAC-TALLA. Tha iad mar an ceudna toirt gu ’n cuimhne seann amannan, seann bhlàths us cathrunnas a bha ann an St Ann’s nach eil idir ri fhaotainn aig an àm so. Tha Iain Rothach da-rireadh airidh air mor spéis agus urram air son oidhearpean dhùrachdach agus a dhillseachd a chum cainnt cheanalta, ealanta, bhlasda, bhinn, nam beann ’snan srath a chumail air a h-adhart. Cha’n eil spéis aige do na baothairean truagha tha coma co-dhiu ged a bhitheadh an iall mu dheireadh air a druidheodh mu muineal. Dh’fhàg Iain Rathach daoine ann an St Anns aig nach robh de Bheurla na chuireadh fàilt air Innseanach; ach a nis cha’n fhaighteadh facal aig an cuid cloinne ach Beurla. Daoine aig nach eil spéis d’an dùthaich no da’n cainnt mhàireil, cha’n eil iad freagarrach air son ni sam bith earbsa riutha. Bi’dh mi a’ co-dhùnadh le bhi ’guidhe Bliadhna mhath Ur do uile luchd-leughaidh a MHAC-TALLA. F. L. Gut-a-Deas, St Anns, 23, 12, ’95. Chaidh soitheach-smùide Breatunnach a long-bhristeadh air cladach Eirinn seachdain roimh ’n Di-luain s’a chaidh. Chailleadh a naodh deug dhe na bh’air bòrd, a measg chach an sgiobair, a bhean, ’sa mhac, ’sna h-oifigich uile. [TD 207] [Vol. 4. No. 26. p. 7] “Nuair a thainig mi dh’ionnsuidh an t-saoghail” arsa ’n duine beairteach ri caraid, “cha robh sgillin ruadh ’nam phòcaid.” “Ged nach rodh fhéin,” ars a’ charaide ris, “bha thu na b’fhearr dheth na bha mise; cha robh fiù na pòcaid fhéin agamsa.” Tha’n coisiche ’s fhearr air am bheil cùnntas aig an àm so ann an Sasuinn, fear da’n ainm Sturgess. Choisich e o chionn ghoirid ochd mile ’s dacheud ’s tri fichead slat ’sa deich (570) ann an uair a thim. Choisich e a cheud mhile an taobh a stigh de sheachd mionaidean. ’S iongantach na nithean neònach a chi daoine ann an aislingean. Bha Eirionnach uair ag innse aisling a chunnaic e, agus so mar a chriochnaich e: “Agus an uair sin shaoil leam gu robh mi a spaisdireachd mu’n cuairt dearg rùisgte agus mo dha laimh na mo phòcaidean!” Tha’n duine ’s raimhre th’air an t-saoghal an diugh ri fhaotainn am baile-mor Pharis ’san Fhraing. Tha e mhuinntir Switzerland, is ainm dha Canon-Berg, agus cothromaichidh e air na toimhsean coig ceud ’s tri fichead pùnnd. Tha e ann am fior shlàinte, agus ithidh e uiread ri coignear dhaoin’ eile. Bha seann duine anns a Ghàidhealtachd uair a bhiodh a’ caradh phoitean dubha do na smugalairean, agus aon latha thachair an gauger air. “Seadh” ars esan ri fear càradh nam poitean, “c’àite ’n do chàraich thu a phoit mu dheireadh?” “Ma ta,” ars am fear eile, “chàraich mi i dìreach far an robh an toll oirre.” Bha seann duine ’sa bhean ’s t-samhradh s’a chaidh ann am bàta smùide a bha ruith eadar Sasunn ’san t-eilean Manach. Bha a mhuir car garbh, agus thòisich a’ bhean ri gabhail an eagail. “O Iain,” ars ise, “tha ’m bàta dol fodha; tha mi cinnteach gu bheil!” “Ma theid, nach eil a chead aige,” ars Iain. “Cha leinne am bàta ann, ’s nach fhaod sinn a bhi coma.” Cha’n eil dùthaich eile air an t-saoghal anns am bheil an sluagh cho fad air adhart ann am foghlum ’sa tha iad anns a’ Ghearmailt. Ach ged tha sin mar sin an diugh, ceud bliadhna roimhe so, bha na maighstirean-sgoile a’ faotainn tuarasdal cho bochd ’s gu’m b’àbhaist daibh a bhi seinn air sràidean nam bailtean mora air son sgilinnean airgeid fhaotainn o’n t-sluagh. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 208] [Vol. 4. No. 26. p. 8] A bhliadhn’ Ur. LUINNEAG. O mo chaochladh mor a thainig, O mo chaochladh ’tha mi smaointinn; ’S fad’ o thir mo ghaoil a tha mi; O mo chaochladh mor a thainig. O’n a thainig a bhliadhn’ ùr oirnn, ’Toirt air iomadh smaointinn dùsgadh, Cuiridh mi na rainns’ ad’ ionnsuidh Ged nach buin dhomh cliù na bàrdachd. ’S tric a dol air ais mo smaointean, Thun na tim ud a rinn aomadh, ’Toirt am chuimhne mnathan caomha Agus daoine rinn ar fàgail, Cáite an diugh a bheil an còmhlan A bha leam an làithean m’ òigo? ’Sgaoilt’ o chéile na bheil beò dhiu, ’S coigrich a còmhnuidh ’nan àite. Tha na fàrdaichean air sgaoileadh; Tha na pàrantan air caochladh; Tha chlann-bheag air fàs nan daoine; Sgapt’ air feadh an t-saoghail pàirt dhiu. Ged nach eil mi fathast aosda. Chunnaic mi nam latha caochlaidh: Eòlaich m’ òige—luchd mo ghaoil, An duigh ’san leabaidh chaoil an càradh. Guidheam soirbheas maith ’us suaimhneas Bhi do’n àl a dh’ fhàs o’n uair sin; Leanadh iad an gnàthas bu dual dhaibh, Biodh iad suairce, modhail, càirdeil. Tha gach bliadhna deanamh caochlaidh, ’Sa cur ann an cuimhne dhaoine Gu bheil tim a sior-ruith daonnan. ’S nach eil anns sn t-saoghal tàmh dhuinn. Deanamaid le dichioll gniomhach, Ge b’ e gheibh ar làmh ri dheanamh. Oir tha ùine ruith air sgiathaibh; Tha ar bliadhnachan ’gar fàgail. Giulain beannachd na bliadhu ùire Gu mo chàirdean—mo luchd dùcha; Thugad fhein tha beannachd dubailt O’n a chuir thu ùigh ’sa Ghàilig. Chuireadh an t-òran bòidheach so ugainn le caraid nach eil air son ainm a chur ris. Is òran e a tha gle fhreagarrach mu’n so ’n bhliadhna, agus ged tha ’n t-ùghdar ag radh “nach buin dha cliù na bàrdachd,” ’s iomadh bàrd aig nach rachadh air briathran cho bòidheach ’s cho firinneach a chur an eagaibh a chéile. Chruinnich Pàrlamaid Chanada ann an Ottawa Dior-daoin ’sa chaidh. Co-luath ’sa leughadh an Oraid o’n Chathair, sgaoil i gu cruinneachadh air an t-seachdain ’sa chaidh. Cha’n eil a choltas gu’m bi i ’na suidhe ach ùine ghoirid air an turus so. ’Se ni àraidh a tha fa comhair riaghailtean a dheanamh a thaobh nan sgoilean ann am Manitoba. Iadsan a Phagh Coinneach Mac-an-Tòisich, Bai Niar. Aonghas Moireastan, Marsh Lake. D. C. Domhnullach, Birch Grove. D. I. Domhnullach, Birch Grove. Alasdair Domhnullach, Salmon River. Calum Mac Leoid. Orangedale. Iain D. Domhnullach, Woodbine. An t-Urr H. P. Mac-a-Phearsain, L’ Ardoise. Anna Mhathanach, Valley Mills. Caipt. D. Mac Leoid, Baile-nan-Gall. Alasdair Caimbeul, Brook Village. A. D. Mac Diarmaid, Stirling (50c) A. W. Bethune, P. M., Loch Lomond. A. Mac Fhearghais, Loch Lomond. Alasdair Mathanach, Sidni. Bantrach I. Dhomhnullaich, Mabou. Aonghas MacFhearghais, Loch ’Ic Fheaeghais A. B. Domhnullach, Meat Cove. Alasdair Seathach, Hay Cove. Domhnull Mac Cuish, Bridgeport. F. D. Caimbeul, Middle Cape. Domhnull A. Smith. Bai Niar (40c) Seumas Mac Leoid, Port Bevis. Somhairle Mac Leoid, St. Esperit. Calum Mac Fhearghais, St. Esprit. (50c). R. MacGilleain, St. Esprit. Donnacha Moireastan, New Harris, ($2.00) Domhnull Moireastan, Ceap Nòr. V. A. Mac Gill-fhaollain, Port Hood. Coinneach Mac Coinnich, Amhuinn Dhennis. Uisdean Calder, Malagwatch, (75c) Dughall Domhnullach, Gleann-comhain, $2.00 Donnacha Mac Coinnich, Gut Mhira; D. Mac Gill-fhinnein, Taobh tuath an Eilein Mhoir. Calum H. Gillios, Braigh Mhargaree. Aonghas A. Mac Phàrlain, Braigh Mhargaree. ($2.00) Mairi E. Nic Neill, Meinn Ghardiner. Uisdean Mac Aoidh, Garfield, P. E. I. D. M. Mac Ille-mhacil, Eileanan Coille. Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn, Donnacha Mac Coinnich, Amhuinn Mitchell Uisdean A. Mac-a-Phi, St. George’s, M. D. Domhnullach, St. George’s, Domhnull Pentan, Drochaid Chardigan, Domhnull Mac Calamain, Kinross, Tearlach Martuinn, Kinross, Murcha Ross. Toronto, Ont. An t-Urr. Niall Mac-na-h-Innse, Cornwall. Aonghas Mac Ille-mhaoil, Lagan. Domhnull I. Friseal, Cnoc Vankleek, Gilleasbuig Mac Neachtain, Calumet, Mich. Caipt. Eben MacAmhlaidh, Gloucester, Mass Caitriona Nic Iomhair, Boston, Mass. Bean H. P. Haskill, Boston, Mass. An t-Urr. D. E. Siosal, Amhuinn Larry, N. S. Ailein Mac Gille-bhràth, McPherson’s P. O. Cairistiona Fhriseal. Stellarton, Domhnull Domhnullach. Ashdale, D. K. Domhnullach, Springhill, Que. Eobhan Domhnullach, Lunnuinn, Nial Buchanan, Reynoldstown, N. Z. Andras Mac Gille-Chriosd, Burnbank, Alba. BAIS. Aig an Amhuinn Duibh, faisg air a Bhai Niar, air Di-luain, air 30mh latha de ’n mhios a dh’ fhalbh, Domhnull Mac Gilleain (Eildeir) 91 bliadhna dh’ aois. Rugadh e anns na h-Earradh, agus thainig e mach do’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1828. Bha e pòsda aig té Nic-Gille-mhoire mhuinntir Phictou, agus bha seachdnar chloinne aig dhe’m bheil ceathrar beò. Is mac dha Aonghas G. Mac Gilleain a tha ri ceannachd anns a chaile so, anns an Acadia House. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 209] [Vol. 4. No. 27. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 11, 1896. No. 27. Tuilleadh mu na Maories. LE IAIN ROTHACH. Tha sgriobadh cnamhan nam marbh na chleachdadh iongantach aig na Naories. Tha rithist an “Tangi,” s’e sin faire nam marbh aca, mar a bha aig ar sinnsirean féin, agus ni’s bichionta aig na h-Eirionnaich. Nuair theid an obair sin air inneal, ’se ’n Tangi ge a theirear ris: tha so a sior leantuinn ris na Maories. Theid a chiste-laidhe a chur ann an uaimh air dhoigh ’sgur h-urrainnear a togail as gun chus saoithreach. Theid an corp fhàgail fo thalamh fad bliadhna agus air uairean ni’s fhaide na sin. Mu àm togail tha moran sluaigh, càirdean us luchd-eòlais an duine mhairbh, a tional as gach cearna air son an aobhair, agus air son cuirm a chur suas. Theid a’ chiste-laidhe a thogail gu sòluimte, agus an sagart (Tohunga) a’ cur a chuid gheasagan an céill. Tòisichear an sin an sgriobadh; ’se cuid-eigin a tha dlùth-chàirdeach do’n duine mharbh, ma dh’fhaoidte boirionnach, a ni ’n obair, le slige bheag, gheur. Theid an fheòil agus gach ni eile a’ sgriobadh gu glan bhar nan cnàmhan uile. Theid an Tangi (an fhaire) air adhart aig an àm cheudna. Bi’dh caoineadh us gul le iollach mor aca, agus crònan de dh’òran ’ga chumail suas a’ luaidh air treubhatas ’s air buadhannan an fhir a dh’fhalbh. Tha cuirm air a cumail suas fad na h-ùine, ithe agus òl gus an teirig am biadh ’s an cuir an t-acras sgapadh annta. Aig crioch a’ ghnothuich, tha na cnàmhan air an ceanghl, suas gu snasail, air an cur ann am màileid, agus air an giùlan le caraid earbsach gu àite tiodhlacaidh ’aithrichean, gu tric a’ dol astar fada, ma dh’fhaoidte gu ceann eile na dùthcha. Cha bhiodh e idir furasda Maori mor brannach a ghiulan troimh dhùthaich gharbh mar a tha’n so; ’siad na cnàmhan loma a’s usa ghiùlan. Thug an éiginn furtachd dhaibh anns a chùis so. TAPU.—Tha am facal so a nise air a ghabhail a stigh ’sair a dhaighneachadh anns a’ Bheurla, air a litreachadh “Taboo.” agus a’ ciallachadh an aona rud sa tha’m facal ann an cainnt nam Maories. Tha an Tapu air a ghnàthachadh am measg nam Maories fad us farsuinn, agus tha e neo-chomasach dhòmhsa innse gach dòigh air am bheil iad ’ga chur an cleachdadh. Tha’m facal Tapu a’ ciallachadh “ni no àite toirmisgte,” agus ni mo àite air am bheil tapu cha’n fhaod thu buntainn dha. Ma ni thu an riaghailt sin a bhristeadh ’s truagh do chor; theid gu cinnteach tòrachd a thoirt a mach. Ge be aite ’n caochail duine, tha’n t-àite sin gu h-araidh air a thapu-adh, ’s theid fhàgail mar sin ùine fhada no goirid a réir inbhe an duine ’chaochal. ’Nuair a bhasaicheas ceannard, tha gach ni a bhuinneadh dha agus e fein air an tapuadh; agus ge b’e àite ’m fàg e sgian, soitheach òil, truinnsear, no dad sam bith eile, cha bhean duine beò dhaibh dh’aindeoin de cho fada ’sa dh’fhàgair ann iad. Tha baidh air a thoirmeasg ann an dòighean diomhair a tha doirbh a thuigsinn. Cha’n fhaodar biadh a thoirt a stigh do thigh ceannard no duine urramach sam bith nam measg. Tha tigh mor farsuinn aca far an coinnich iad air son ithe. Neach a bhios a’ sgriobadh nan cnàmhan, tha e fo’n tapu; cha’n fhaod e beantainn do bhiadh le ’làmhan fad seachdain no fad na h-ùine bhios an tapu air fhàgail air. ’Se duine eile dh’fheumas am biadh a chur na bheul dha. Chunna mi Maori a bha comhla ri fea-tomhais fearainn uair, ’s bha e ’tional connaidh air son an coire ghoil. Bha maidean, a bha ann an seann bhothan faisg air, agus dh’iarr mise ’nam aineolas air na maidean sin a losgadh. Cha do leig e air gu’n do chual’ e mi, agus an sin dh’innis a mhaighstir dhomh, nach beanadh e dhaibh, aig eagal gu’n do chaidil ceannard anns a bhothan, ’smar sin gu’n robh na maidean air an tapuadh. Air an aobhar sin cha chuireadh am Maori mian orra. Ma theid bàthadh a dheanamh, tha a mhuir mu ’n cuairt air a cur fo thapu, ’sgu h-àraidh an t-iasg a tha innte, agus tha e air fhàgail oirre dh’fhaoidte fad shia miosan. Chunna mi Maories agus eagal orra dhol air tir an àit aineolach ’san oidhche, gun fhios nach robh tapu air; ach a’ gluasad gu faiceallach, dh’ fhalbh nise gus an d’ fhuair mi làrach teine; thug so toileachadh mor dhaibh agus thainig iad air adhart, oir bha iad an uair sin cinnteach nach robh tapu air. ’Se an sagart aca a bhios a’ cur an tapu an céill, agus tha àmhuiltean mora aige airson a leagail ’sa thogail. Tha iad a leantuinn ris a chleachdadh so gus an latha ’n diugh. Ghabh na Maories ris a chreideamh Chriosdail gu toilichte an toiseach. Thug sin misneach mhath do na teachdairean a thàinig ’gan teagasg. Rinn iad an toiseach an Seann Tiomnadh eadar-theangachadh dhaibh, agus an deigh sin an Tiomnadh Nuadh. Ach fhuair na teachdairean mu dheireadh a mach le duilgheadas, nach robh tuigse dhomhain sam bith aca air an t-Seann Tiomnadh. ’Nuair thainig an cogadh mu dheireadh ’sann a rinn iad an Seann Tiomnadh freagarrach dh’an cùisean féin. Tha iad do ghne treun, agus bha leughadh mu chogaidhean Chlann Israil glé thaitneach dhaibh. Bha e mu dheireadh soilleir nach robh math a bhi feuchainn ri cus ionnsachaidh a thoirt dhaibh. Tha moran dhiubh a nise leantuinn nam Mormon; tha luchd-teagaisg an comhnuidh nam measg ’gan trorachadh gus an chreidimh sin. Tha iad air moran de’n cheud theagasg a fhuair iad a chall ni a tha ’na bhristeadh-cridhe mor a bha ’gan teagasg. Bha aon duin’ urramach, ainmeil nam measg, ’se sin Easbuig Selwyn, a bha’n deigh sìn ’na Easbuig air Litchfield. Chaith e moran bhliadhnachan a’ teagasg nam Maories, agus cha robh ach gle bheag aig air son a shaothair. Seach gu bheil an litir so tuilleadh us fada cheana, bi’bh mi a’ sgur, ach tha mian dòchas beagan a sgriobhadh mu’n easbuig ainmeil so air àm eile. [TD 210] [Vol. 4. No. 27. p. 2] ORAID A rinneadh leis an Onarach Domhnull Mac Ille-Mhaoil comhairleach (Senator) a Gleann-a-gairadh aig coinneamh Ghàidhealach ann am baile-mor Toronto an Canada air an deicheamh la de mhios meadhonach an foghar sa bhliadhna l895. FHIR NA CATHRACH, A BHAINTIGHEARN, SA DHAOINE UAISLE.—Cha’n eil e na iongantas ged bhitheadh bosd mor air cuideachd riaghlaidh a chomunn Ghàidhealich, air son cho math sa fheagair na Gàidheil an cuireadh a fhuair iad uaithe, ’gus a bhi comhlath gu eolas as co chairdeas a chur air a cheile air an oidhche so, ann an ard bhaile Thronto. Mun ghnothach air na bhruidhinn fear na cathrach ribh an nochd mu mo dheibhinnsa, tha fior eagal orm gun do rinn e tuille sa choir do chliu a thoirt orm nach bu choir dhomh fhaighinn. Ged nach d’ fhuar mi bhi comhlath ribh aig na coinneamhan beagan bhliadhnachan air ais, cha be gun d’ thainig di-chuimhne orm, na cion cuiridh, s’ ged nach robh mi maille ribh gu pearsanta, bha mi ann an inntinn san durachd, s’ cha be cion toil, ach nach freagradh dhomh mo ghnothach san àm fhagail. An ni air na bhru dhinn fear na cathrach ribh ma dheibhinn a chuideachadh a thug mise do na daoine uaisle—is e fein air an ceann—a chaidh a bhan as a so gu Ottawa, sa choinnich mis ann, gus an gnothach a chur an geil do cheannard na malisi, air son na Reiseamaid Ghaidhealach an Toronto, cha’n eil moladh mor ri dheanamh orm, a chionn nach robh ann ach rud bu choir dhomh a dheanamh, ann an rud nach b’ ionann agus an reiseamaid Ghaidhealàch, a tha na h-onair an diugh do’n bhaile s’ dha ’n dùthaich so, s’ na cliù dha n’ reiseamaid. Dh’ éisd mi le toileachadh mor ris na labhair fear na cathrach ribh an nochd ma dheibhinn Albainn, agus e air ur thighinn as, ’s cho math sa bha iad a tighinn air aghart ann, san t-atharrachadh math saoghalta a thainig air an duthaich, as thug mi ’n aire an toileachadh mor a ghabh sibh as an naidheachd, ’s cha do chuir sibh teagamh innte. Tha so a cuir nan chuimhne naidheachd a tha ’r ag innseadh mun Easbuig mhor Dhomhnullach a bha iomadh bliadhna a fuireach an Gleann-a-garradh, an Canada. Air fear dheth na tursan a bha e san Roinn Eorpa an deigh dha faighinn a bhi na Easbuig, thaghail e an Albainn a choimhead air a chairdean, s’ air an duthaich, san deigh dha tilleadh dhachaidh a so, thubhairt e air latha dòmhnaich ann an Eaglais St. Raphels gum biodh e gle thoillichte an ath dhidomhnaich naidheachd a thoirt dha an t-seann sluagh air an t-sean duthaich, nam bitheadh iad cho math sgun tigeadh iad d’on Eaglais. Cha mhor sean na og a bha san duthaich nach do chruinnich, sa ’n deigh dha ’n t-seirbheis a bhi seachad, thoisich an t-Easbuig air innseadh dhaibh mar a chaidh an duthaich air a h-ais, san t-atharrachadh mor a thainig oirre bho na dh’ fhag iad i; nach robh taigh na fardach na leithid sud ’s na leithih so do ghleann a’s nach d’ fhalbh iad air fad nan duthchanan, san aite an t-sluagh a bha ann, gum bhel e an diugh fo chaoirich, s’ fo riaghladh Ghall. Nuair a sguir an t-Easbuig, dh’ eirich sean duine na sheasamh air a bhata an teis meadhon na h-Eaglais, as thubhairt e, “A Righ cobhair mise, an e an fhirinn a thagad Alasdair?” Tha mi gle thoilichte nach do chuir sibhse teagamh ann san naidheachd a chuala sibh air albainn an nochd mar a rinn Iain. Chaidh a chur mar fhiachaibh ormsa labhairt ribh ann sa Ghaelic an nochd, ’s ged mi thagu sin a dheanamh, tha fios agam gum bheil feadhainn gam eisdeachd aig am bheil Gaelic na ’s fearr na th’ agamsa, ach tha earbsa agam gad a dheanainn mearachd nach bi sibh cruaidh orm, leis nach d’ feuch mi ri bruidhinn folaiseach an Gaelic riamh roimhe. Tha e na ghnothach taitneach gum bheil a Ghaelic a “togail a ceann” mar a thubhairt Donnachadh ban san oran; tha creideas mor ri thoirt do Ghaidheil na duthcha so air son sin. Tha comunn Gaidhealach ann am Montreal ris an abair iad “Celtic Society” se ’m facal suaicheantais a tha aca “Dileas dha’r canan as dileas dha cheile” Tha ciallachadh mor aig an tha cal sin, ’s cha’n eil rud sam bith cho math ris na coinneamhan so gus na Gaidheil a chumail dileas dha ’n canan ’s dha cheile. Cha’n eil an uine fada bho na rachadh oigridh taobh tuath na h-Alba beagan uine a dh’ionnsaidh an taobh deas ’gan cosnadh, sa nuair a thileadh iad dhachaigh cha leigeadh am bòsd leo cànan am màthrichean san luchd duthcha bhruidhinn. Tha e ’n cuimhne a h-uile h-aon a tha gam eisdeachd, an uine ghoirid a bheireadh an oigridh againn fein air falbh ann sna Staitean; san uair a thileadh iad cha bhiodh a Ghaelic aca nam b’ fior; se as dorra leam na sin nach bitheadh a bheurla aca. Tha sinn a nise air atharrachadh gle mhor, s’ tha a chliu sin ri thoirt do Professor Blackie an Dun-eadeann, mar a thog e a Ghaelic an Alba air dhoigh ’s gum bheil i ’n diugh na dearbhadh air ionnsachadh agus foghlum cenrt a bhi aig muinntir na duthcha sin, san gniomh a rinn esan an Albinn, tha na comuinn Ghàidhealach a deanamh an Canada. Ga mor a facal e, am mach bho chanan no dha eile, (s’ cha’n eil fios agam fein nach faodamaid connsachadh a dheanamh riu sin fein,) si a Ghaelic canan a’s sinne san Roinn-Eorpa. Tha iomadh dearbhadh gur h-i an canan a bha na Gaidheil a bruidhinn ann an Albain, corr as tri cheud bliadhna roimh thim Chriosd. Bha na Gaidheil mar luchd dhuchanan eile, mun deachaidh teachdairean a theagasg an t-soisgeul agus Criosdalachd dhaibh, ag aoradh sag aideachadh do dhiadhan breige. Tha clach mhor goirid bho Bhlar Athol, ris an abair iad “clach na h-iobairt” ’s cha’n eil teagamh nach i te do chlachan an teampuill aig na Druidhean, luchd teagasg as stiuiridh an t-sluaigh aig an am sin; tha clach eile an Albainn ris an abair iad “clach na brath,” ris an abair sinne “clach an fhiosrachaidh;” tha i cothromachadh corr as sia tunna ’s i air a suidheachadh air meidh cho cinnteach ’s gun dean an ni as lugha a gluasad gus an iarrtas fiosrachaidh. Tha clach eile san Eilean Sgiathanach, ris an can iad “clach na h-annait;” si sin a chlach ris an abradh iad “dia-breige nam blar-fortanach,” a chlach aig an cruinnichadh iad a chur an achanaich suas ris an dia so gus fortan a bhlair a bhi leo. Cha’n eil fear Gaelic thall na bhos ma thacharas neach air ’s gun abair e ris “tha mi dol do’n chlachan” nach tuig uithe gum bheil e dol do’n Eaglais; is ann bho na cleachduinn a bha aca sin a thainig a facal oirnne. Tha iomadh cinnt againn cho math sin air seanaid na Gaelic, mar a tha “tom a mhoid” far am bidheadh na Druidhean a riarachadh ceartais, agus “tobar na h-annait” far am bitheadh iad ga ’n glanadh fein mun rachadh iad sna blair, ach cha trioblaidich mi sibh an nochd le tuille dhearbhaidhe a thoirt dhuibh cho fad air air sa gabhas air [TD 211] [Vol. 4. No. 27. p. 3] canan a chur. Gus na Gàidheil a bhi dileas dha cheile, tha a feumail gum bruidhinn iad an aon chànan. Tha dearbhadh sonraichte againn air so ann an Alba, nuair a thainig an t-arm Romanach a stigh do’n duthaich anns a bhliadhna 78, ged a bha iad liomhor, ionnsaichte, dh’ faodaidh corr sa deich man aon duine, cha do smachdaich iad riamh luchd na Gaelic; nuair a shaoileadh iad an diugh gun robh iad air an claoidh, s’ air an ciosnachadh aca, bha iad am maireach cho ealamh s’ cho toileach gu seasamh ri guaillean a cheile sa bha iad riamh. Mar sin an uair a dh’artlich orra buaidh fhaotainn air na Gaidheil, chur na Romanich balla mor tairsuinn troimh an duthaich bho chuan go cuan gus na Gaidheil a chumail dhiubh, san uair nach d’ rinn sin an gnothach chur iad ard bhalla eile goirid bho chriochan Shasunn, sa nuair nach d’ rinn sin an gnothach na b’ fearr na cheud fhear, dh’ fhag iad Albainn aig na Gaidheil fhéin.” An deigh dha moladh agus mor chliu a thoirt air na Gaidheil ’s cho math sa coimhlion iad na h-uile gnothach, gleidhdadh agus dreuchd annsa robh iad an Albainn, an Canada, agus h-uile duthaich anns a faighear iad thubhairt e anns an dunadh. “Tha eagal orm gun do lean mi tuileadh as fada air labhart, gus na sharaich mi sibh; cha robh mi an duil urrad a radh nuair a thoisich mi, ’s mar a h-eil na facail a thubhairt mi gu math, chan e nach robh an toil agam. Tha mi a toirt taing mhor dhuibh air son an eisdeachd mhath a thug sibh dhomh.” COMHRADH NA H-ATHA. O’ Charaid nan Gaidheal. [Lachann Ban a tireadh ’s an ath, an sgalag agus na buachaillean a’ rusgadh caoil—Seoras nan Long ag innseadh naidheachd air a thu us cuain do Cheann Tuath an t-saoghail.] LACHANN.—An cluinn thusa mi, ’ille bhain, gabh mo chomhairle ’s dean suidhe, fuirich a mach no ’stigh, ’s tog de d’ fhalbhanachd, mar gu’m biodh cearc ag iarraidh nid; an saoil thu an leig mi’n tireadh ’an cunnart air do shonsa. Dean suidhe, gharraich, cha’n ’eil thu cho eusgaidh an uair a dh’ iarrar ort gluasad. SEORAS.—Gabh ceann buill dha; an t-urram dha seach aon ni ’chunnaic mi riamh gu smachd a chumail air a leithid. SGALAG.—Theagamh, a Sheorais, gu’n d’ fhiosraich sibh fhein sin latha ’g an robh sibh. SEOR.—’S coma sin dhuit-sa—ma dh’ fhiosraich thoill mi e. Gheibh an lunndaire ’s gille-nan-car, theid mise ’an urras air, am feuchainn ann an luing-chogaidh: ach bitheadh duine ’n a earalas eusgaidh, tapaidh, umhal air ceann a ghnothuich, ’s cha’n ’eil aite ’m faigh e giullachd a’s fearr. Bha mi coig-bliadhna-fichead air luingeis-chogaidh de gach seorsa—bha mi air mo leaghadh fo ghrein loisgich nan Innsean, fo theas nach d’ fhairich fuachd, agus air mo reothadh ’an lag na gaoithe tuaith’, am measg sneachd air nach d’ thainig aiteamh, ’s bha mi sona anns gach aite. Na-m bithinn a rithist og cha’n ’eil mi ag radh nach i ’n long-chogaidh a bheirinn orm. Fhuair mi mo chuid fhein de dheuchainnean an t-saoghail—’s iomadh rudha garbh air an robh mi, agus ’s iomadh sealladh eagalach a chunnaic mi; ach ’de dheth sin, tha mi ’n diugh laidir, fallain. Thainig mi gu calla samhach mu dheireadh: tha mo thastan geal, glan agam ’s an latha, agus am fear-diolaidh a’s fearr air aghaidh an t-saoghail, an Righ, an duine coir, nach dubhairt riamh, “Cha’n ’eil e goireasach dhomh an diugh, a Sheorais—ach thig air d’ais a rithist.” Buaidh leis fhein ’s le’ luingeas! So, a Lachainn, gabh greim tombac’ air a thailleadh.—’S e fhein a chumadh spliucain a chuid ghillean lan. LACH.—C’ ait’ an d’ fhuair thu ’n spliucan boidheach so, a Sheorais? SEOR.—Fhuair mi sin ’an duthaich nan ron, fada mu thuath, ’s a’ mhuir reota, far an robh mi leis a’ mharaiche ainmeil, Parry, a chaidh na b’ fhaide mu thuath na aon duine eile a dh’fheuch riamh ris. LACH.—So, ’illean, ma tha’n grainne caoil sin reidh, gabhaidh a nall agus suidhibh ’an so mu ’n aingeal, ’s bheir Seoras coir dhuinn eachdraidh air a thurus-cuain do dhuthaich nan ron. SEOR—Ma ta ni mi sin gu deonach, ach ’s eigin do’n bhalach bhan suidhe. LACH.—Dean suidhe, a shiochaire lachduinn, ’s na cluinneam smid o d’ bheul fhad ’s a tha Seoras a’ labhairt. Cuir an crann air a’ chomhla, Eachainn oig, ’s lion an cliabh moine ’n so lamh rium. Tha sinn a nis deas, a Sheorais, toisicheadh sibhse. SEOR.—’S ann a thri-bliadhna-deug an earraich so a dh’ fhalbh mi air a’ cheud thurus-cuain le Parry, sgiobair cho gleusda ’s a dh’amhairc riamh ri uchd fuaraidh, agus maraiche luinge. Chuir sinn fa sgaoil ’an Sasunn deireadh an earraich, agus rainig sinn an cuan reota mu latha Bealltuinn. SGAL.—Gabhaibh mo leth-sgeul, a Sheorais, ach innsibh dhomh so, c’ait’ an robh sibh a’ dol, agus ciod a bha ’n ’ur beachd? SEOR.—Tha thu ceart; bu choir dhomh bhi air sin innseadh ’s a’ cheud dol a mach. Tha fhios agam gu’n robh am baothaire sin, Calum seoladair, a’ cur amaideachd ’n ’ur cinn mu’n chuis so. Bha e aon bhliadhna ag iasgach nam mucan-mara, agus ar leis gur aithne dha gach ni. SGAL.—Bha ’cheart duine ’g innseadh dhomhsa gu’n do chuireadh a mach sibh air toir cridhe na gaoithe tuaith’, a dh’ fheuchainn am faigheadh sibh a mach co as a tha na fir-chlis a’ tighinn, agus ciod bu ghne dhoibh. SEOR.—Am bumalair truagh! Cha’n ’eil ann ach sgonn gun tuigse—innsidh mise dhuit ciod a bha ’n ar beachd. Tha fhios agad, ma ta, a Lachainn, o’n is tu a’s sine ’n am measg—tha fhios agad gu’m bheil an saoghal cruinn, no air cumadh uibhe, na ’s gairbhe mu’n mheadhon no m’a dha cheann—ceart mar gu’m biodh ubh ann. LACH.—’S e sin, ’fhir mo chridhe, a tha iad ag radh—ciod am fios a th’againn-e. Am bheil sibh fhein ’g a chreidsinn sin? SEOR.—Gun teagamh tha mi ’g a chreidsinn—nach deachaidh mi mu’n cuairt ceithir thimchoill an t-saoghail—’suas air an dara taobh dheth, ’s a nuas air an taobh eile. LACH.—Ubh! Ubh! a Sheorais, an ann da rireadh a tha sibh? (Ri leantuinn.) [TD 212] [Vol. 4. No. 27. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 11, 1896. Tha Pàrlamaid Bhreatuinn gu bhi cruinn toiseach an ath mhlos. Tha Morair Salisbury gle dheònach gu’m fosgladh a bhan-righ a phàrlamaid gu pearsanta air an turus so, ach tha iad ag radh nach bi sin comasach dh’i, oir cha’n eil i ann an deagh shlàinte. ’S àbhaist dh’i mar a’s trice fear de h-àrd uaislean a chur a dh’fhosgladh na pàrlamaid na h-àite. Tha’n ceòl air a dhol car air feadh na fidhle air an luchd-riaghlaidh ann an Ottawa. Chruinnich a phàrlamaid air an darra latha dhe’n bhliadhna, ach cha d’rinneadh dad leatha fhathast, ach suidhe agus eiridh, o latha gu latha. Di-luain s’a chaidh, chuir seachdnar de mhinistearan na h-ard-chomhairle cùl ris a Phriomhair, a leigeil an dreuchdan dhiubh. Cha robh iad toilichte le Sir Mac Coinnich Bowell mar phriomhair; bha iad an dùil gu’m bu chòir dha an oifig fhàgail aig duine b’fhearr a lionadh i, agus ’nuair nach d’aontaich esan sin a dheanamh, dh’fhàg iad e. Dh’fhuirich triùir dhe na ministeirean còmhla ris, ach tha e air a lagachadh cho mor ’s nach eil teagamh nach leig e stiùir na staite as a laimh an ceann latha no dha agus ma ni e sin tha e gle choltach gu’n gabh seann Sir Tearlach Tnpper, a tha ’n Ottawa aig an am so, an gnothuch os laimh, agus gu’m bi’ e ’na Phriomhair an àite Bowell. ’Siad na ministeirean a leig an dreuchdan dhiubh, Foster, Tupper òg, Dickey, Montague, Haggart, Wood, agus Ives. Mar nach biodh gu leòr ann gus dragh a chur air Breatuinn aig an àm so, b’fheudar trioblaid éiridh an ceann a deas Africa. Tha moran fearainn aice anns a chearna sin dhe’n t-saoghal, gu h-àraidh sin ris an canar Cape Colony. Tha stàit bheag ri taobh sin, air a h-àiteachadh le Gearmailtich ’s le duidsich, ris an abrar Transvaal. Tha an stàit so air a féin-riaghladh, ach tha seorsa de shealltuinn thairis aig Breatuinn oirre. ’Se ’n t-ainm a theirear ris an t-sluagh Boers. Thainig moran sluaigh as ùr do’n Transvall o chionn beagan bhliadhnaichean, agus tha e coltach nach robh iad sin gle riaraichte leis mar bho’n stàit air a riaghladh leis na Boers, agus gu’n d’ rinn iad ceannaric nan aghaidh. Aig an àm cheudna dh’fhalbh buidheann dhaoine á Cape Colony, fo chomannda Dr. Jamieson, gus an cuideachadh an aghaidh nam Boers, agus chuir iad blàr riutha, anns an robh ceud de na Breatunnaich air am marbhadh agus a chuid eile air an glacadh nam priosanaich. Chaidh an gnothuch so a chur air adhart an ain-fhios do Bhreatuinn, agus do luchd-riaghlaidh Cape Colony agus ’nuair a thainig an sgeul ’gan ionnsaidh bha iomaguin gu leòr nam measg. Bha eagal air moran gu’n faodadh cogadh tigh’n as a chùis, oir tha bàigh aig a Ghearmailt ris na Boers,agus nochd i sin gu soilleir, ach tha coltas an dràsda gu bheil an t-eagal sin seachad agus gu’n gabh gach ni cur ceart anns an Transvaal an ùine ghoirid. Tha e gle choltach gu’n dean an aimhreit a bha na Stàitean a feuchainn ri dheanamh ri Breatunn, sioladh seachad. Tha na daoine ’s fhearr ’s a’s glice ’sna Stàitean agus anns gach dùthaich eile a’ togail an guth an aghaidh a ghnothuich, agus cha b’iongatach ged a ghabhadh Cleveland ’s iadsan a bha dhe’n aon inntinn ris nàire dhiubh féin air son a bhi feuchainn ris an da dhùthaich a chur a mach air a chéile. Tha tuilleadh ’sa chòir de dhaoine glice, tuigseach anns na Stàitean air son an dùthaich a leigeadh gu cogadh nuair nach eil sgàile ceartais air a taobh ’sa chùis a tha i ’tagradh. ’Se ar barail gu’m bi Cleveland ’sa chuideachd aig deireadh na cùise duilich nach do ghabh iad comhairle Clag Sgàin, “An rud nach buin dhut, na buin dha, A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 213] [Vol. 4. No. 27. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thuit fear de na senators, da’m b’ ainm Kaulbach, marbh ann an tigh na pàrlamaid feasgar Di-ciaduin. ’S e tinneas a chridhe a thug a bhàs. Bha e na shlàinte àbhaistich roimhe sin. Tha na h-Armenianich ann an Constantinople ag radh gu robh ceud mile dhe’n co-luchd-dùthcha air am mort leis na Turcaich, agus gu bheil leth muillein dhiubhsan a tha beò, air am fàgail gun ni ris an t-saoghal, agus an imis bàsachadh le gort. Bha Di-luain s’a chaidh gu math fuar agus stoirmeil ann an so, agus bha side ni b’ fhuaire ’s ni bu stoirmeil gu mor aca anns na dùchannan a tha beagan a niar orinn. B’e latha bu doirbhe chunnacas ann an Stàit Maine o chionn deich bliadhna fichead. Chaidh dithis ghillean òga, Domhnull Mac Gilleain agus Alasdair Mac Aonghais, a bhàthadh ann an Loch a Ghranndaich, an siorrachd Ghuysboro, an la mu dheireadh dhe’n bhliadhna s’a dh’ fhalbh. Bha iad a’ skateadh air an deigh, agus bhrist i fòpa. Tha sinn an dòchas gu’n dean a’ chuid sin d’ar luchd-leughaidh nach do phàigh air son na bliadhna so dhe’n phaipear, an uile dhichioll air a deanamh air a mhios so. Tha ’n geamhradh ’s an t-earrach a’ dol a thoirt leis moran airgeid oirnn agus cuiridh sinn feum air gach sgillinn a ghabhas cruinneachadh. Bha teine beag ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. Cha do loisgeadh gin de thaighean gu làr, ach rinneadh milleadh air àireamh dhiubh. Tha an call air a mheas aig deich mile fichead dolair. Bha teine ann an Amherst mu’n àm cheudna a loisg sabhal anns an robh deich tunna fichead feòir, sleigheachan, carbadan, agus innealan tuathanachais, a bharrachd air tri cinn dheug chruidh us eich. Thòisich an teine le lampà bhristeadh. Chaidh càin a chur air fear ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, air son droch dhiol a dheanamh air rodan. Rug e air beò ann an ribe, agus an sin loisg e e.Cha’n eil an lagh an aghaidh rodan no beothach eile dhe sheòrsa a mharbhach tha e gu moran aghaidh a bhi ’gam pianadh air dòigh nach leigear a leas. Fhuair an duine so as le da dholair dheug a phàigheadh, ach mur biodh gu robh teaghlach lag aige, ’s gun e bhi ro chothromach ’na chrannchur, bhiodh a chàin moran nì bu mhotha. Chruinnich Pàrlamaid Nobha Scotia Dior-daoin s’a chaidh. Tha so gu math ni’s tráithe na b’ àbhaist dhi cruinneachadh. Cha’n aithne dhuinn gu bheil moran oibreach aice ri dheanamh, agus ’s e ’s dòcha nach bi i gle fhada ’na suidhe air an turus so. Tha aig muinntir Mhanitoba ri pàrlamaid ùr a thaghadh Di-ciaduin s’a tighinn. Tha eas-còrdadh eadar pàrlamaid na mor-roinne sin agus Pàrlamaid Chanada a thaobh nan sgoilean, agus tha iad air son fhaotainn a mach co leis a theid an sluagh. Bha an t-Urr. Alasdair Ros. M. A., air a phòsadh ris an eaglais ann an coithional Hogamah air an latha roimh ’n Nollaig. Tha bhinn-chrochaidh a thugadh a mach air Shortis ann an Cuibeic, ri bhi air a tionndadh gu tigh-oibreach ri ’bheò. Bu mhurt gràineii a rinn e, ach tha iad a deanamh a mach gu robh e as a rian aig an àm, agus cha ’n eil iad a dol a thoirt na croiche dha air a bhònn sin. O chionn dha no tri sheachduinean tha ’n trosg anabarrach pailt mu chladaichean Ingonish; tha iad ag radh gu bheil an t-uisge tiugh leis. ’N uair a tha ’n t-side fàbharrach, thatar a glacadh moran éisg. Tha so gle thaitneach ri chluinntinn, oir cha robh an t-iasgach idir math fad an t-samhraidh ’san fhoghair. Chaidh dlùth air da mhuillein dheug air fhichead (32,000,000) buiseal de chruithneachd a thogail ann am Manitoba air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh. Ri ’n gabhail thar a chèile, thainig ochd buiseil fhichead bhar gach acaire bha fo bhàrr. ’S e so bàrr a b’fhearr a bh’ ann am Manitoba riamh, ach rinn an reothadh milleadh mor air, agus cha’n eil an siol cho math ’sa bha e bliadhnaichean roimhe so. Chaidh dithis ghillean beaga ann an Chatham, Ontario, thar a cheile lath’ o chionn ghoirid, agus ’si chrioch a thainig air a chòmhstri gu’n do loisg am fear bu shine dhiu air an fhear eile le gunna bh’ aige. Chaidh am peilear ’na cheann agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Cha robh am fear a loisg an urchair, Iain Haslem, ach da bhliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear a chaidh a mharbhadh, Uilleam Patterson, deich bliadhna. Thainig fear Iain Bain, a mhuiunntir Chòbh Chelly, ri bheatha fhéin la na Sabaid s’a chaidh. Chaochail a bhean o chionn dha no tri bhliadhnaichean, agus bha gnothuichean a’ dol cearr air o chionn ghoirid a bha laidhe gu trom air an inntinn aige. Mu aon uair feasgar, chaidh e mach dh’ an t-sabhal, ’s chroch e e-féin le ròpa ri te de na sailthean. Chaidh a nighean a mach beagan ’na dheigh, agus fhuair i e mar sin, ach mu’n d’ fhuaireadh cuideachadh bha ’n duine bochd marbh. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois, ’na thuathanach cothromach, agus ’na dhuine air an robh fior mheas aig na h-uile. BAIS. Aig Loch Bhlackett, Forks Shidni, air an darra latha dhe’n mhios, Iain Battleman, tri fichead us da bhliadhn’ deug a dh’ aois. Aig na Meadows, Forks Shidni, air an treas latha dhe’n mhios, Uisdean Mac-a-Phi. Anns a Ghleann-a-Tuath, Salem Road, air a cheathramh latha de Dhesember, 1895. Niall Moireastan, 68 bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann Uidhist a chinn a tuath, agus thainig e dh’ an dòthaich so ’sa bhliadhna 1841, agus shuidhich e aig Doch Lomond, far an robh e a chòmhnuidh gu àm a bhàis. Bha e na chomhairleach an comhairle na siorrachd fad da bhliadhn’ deug. Caradh Uaireadairean fad an da mhios s’a tighinn. GLANADH $0.60 MAINSPRING .60 AN DA CHUID 1.10 Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi. W. H. WATSON. Sidni, C. B. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 214] [Vol. 4. No. 27. p. 6] Reulta Seidhichte. Cha’n eil ni air bith ’sa chruitheachd a dheachdas an inntin le smuaintibh ni’s oirdhirce mu thimchioll moralachd agus co-dhealbhadh nan speur, na aireamh, meud, agus astar nan reulta suidhichte. Tha gun teagamh, iongantas oirm an uair a bheachdaicheas sinn le curam air mor-mheud na talmhainn air am bheil sinn a gluasad; ach an uair a smuainicheas sinn air cia co suarach ’sa ta am meud sin an coimeas ris a’ chuid a’s mo de na rionnagaibh os ar ceann, agus cia co beag cuairt a shiubhail an uair a’ choimeasair e ris na reultaibh suidhichte; an sin, tha smuainte ni’s freagarraiche againn mu fharsuingeachd na cruitheachd, agus mu mheud nan oibre eugsamhla a ta innte! Ged is mor a ta gach reult agus gealach a tha ’giadhadh mu’n ghrein a foillseachadh cumhachd neo-chriochnuichte, an Ti bheannaichte a dhealbh iad; gidheadh is beag iad sin gu leir an coimeas ris gach corp dealrach eile a chithear air an suidheachadh air feadh farsuingeachd na cruitheachd. Tha na rionnagan suidhichte, air nach eil againn ach eolas ro bheag a thaobh an astair do-thuigsinn uainn, agus an lionmhorachd do-aireamh, a’ foillseachadh morachd, maitheas, agus cumhachd De air mhodh do-chur an ceill! Cha’n eil sinne ’gam faicinn ach mar bhallaibh beaga, cruinn, soillseach no mar sheudaibh boisgeach atha air an suidheachadh anns an speuraibh aig astar neo-chriochnuichte air falbh! Gidheadh, is grianan iad so, a tha toirt barrachd air grein na talmhainn’ againne ann am meud, agus ann an soillse! Goirear “Reulta Suidhichte” dhiubh a chionn gu’m bheil iad co fada air falbh a’s nach urrainn reultairean a dheanamh a mach gu’m bheil iad a’ carachadh idir as an aitibh, agus chum eadar-dhealachadh a chur eadar iad agus na reultan mu thimchioll am bheil eolas ni’s cinntich’ air ’fhaotainn a mach. Tha an aireamh co mor is nach urrainn na speuradairean ni sam bith cinntich a chur an ceill mu’n timchioll. Cha’n fhaicear ach beagan mhiltean diubh leis an t-suil luim, ach fhuaradh a mach gloineachan-amhairc leis am bheil na muilleanan do-aireamh dhiubh air am faicinn; ach an doigh sin uile, tha e cinnteach gur suarach an aireamh dhiubh a chithear idir, an coimeas ris an lionmhorachd neo-chriochnuichte de na rionnagaibh boisgeach sin, a tha air an suidheachadh aig astar air nach coimus do na gloineachan a’s fhearr ruigheachd. Cha’n eil teagamh sam bith nach grianan iad uile aig am bheil solus annta fein, cosmhuil ris a ghrein a tha soillseachadh na talmhainn so againne! Tha aobhar againn a bhi comh-dhunadh, gu’m bheil reultan agus gealaichean a’ cuairteachadh gach greine dhiubh so fa leth, agus gu’m bheil iad air an comhdachadh le coilltibh, feur, agus luibhean de gach gne, agus feudaidh e bhi air an aiteachadh le bithidh reusanta agus tuigseach! Nach miorbhuileach, uime sin, oibre an Tighearna De! Nach soilleir a tha na neamhan a’ cur an ceill a gloir, agus na speuran a’ nochdadh gniomh a’ lamh! Tha astar nan rionnag so on talamh agus o aon a cheile, ceart co iongantach ris an aireamh aca. Tha’n teallsanach, Bessel a’ deanamh dheth gu’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faigse do’n talamh tri fichead muillean de mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faisge co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu’n timchioll-san a tha co fad’ as is gur gann a chithear idir iad? Tha’n solus a’ gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar a’ ghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Cha’n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna-mor, dh’aindeoin a luathais, teann air ceithir muillein bliadhna gu tighinn o’n rionnag ris an abrar Draconis a dh’ ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chm a dheanamh soilleir, nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach d’rainig an solus aca fathast an talamh so o àm a’ chruthachaidh gu ruig an latha an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a’ chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na solus mhaiseach so, agus a tha ’gan stiuireadh ’nan cuairtibh ann am farsuingeachd néimhe! Cha’n eil neach air bith nach tug fa near an crios soilleir sin a chithear air oidhche reòta, ann an airde nan speur, do’n ainm, “An t-slighe bhainneach.” Cha’n eil anns a’ chrios so, uime sin, ach miltean agus muilleanan do ghrianaibh a tha air an suidheach. co teann air a’ cheile ’s gum faicear tri mile agus corr diubh ann an leud na gealaich dhe’n t-slighe dhealraich so. Mar so, chithear na rionnagan sin le gloineachaibh, dluth do aon a’ cheile, ach an deigh sin uile tha e air a dhearbhadh gu’m bheil muilleanan de mhuilleanaibh mhiltean eatorra! Ghabh na reultairean beachd air buaidh iongantach eile a bhuineas do chuid de na rionnagaibh suidhichte, agus ’se sin gu’m bheil iad caochlaideach ’nan soillireachd. Chithear iad aig aon àm anabarrach dealrach, agus aig am eile, ’s ann air eiginn a chithear idir iad. Tha cuid eile dhiubh a chithear gu soilleir re uine shonraichte, agus an deigh sin a theid as an t-sealladh; agus cuid eile a tha ’gan nochdadh fein do’n t-sealladh, nach fhacas riamh roimhe. Sea fichead agus cuig bliadhna mu’n d’ rugadh ar Slanuighear, nochd rionnag shoillseach de’n ghne so i fein nach fhacas riamh roimhe; agus chunncas rionnag eile tri cheud, ceithir fichead agus naoi bliadhna an deigh breith Chriosd, a bha co dealrach ri Bhenus, ach ann an tri seachdainibh chaidh i gu h-iomlan as an t-sealladh! Mar so tha caochlaidhean ri’m faicinn ann am feachd néimh ceart cosmhuil ris gach caochladh a chithear air an talamh. Air an talamh tha sinn a’ faicinn gu ’m bheil samhradh agus geamhradh a’ tighinn agus a’ falbh—gu’m bheil luibhean a’ teachd fo bhlath agus a’ crionadh—gu’m bheil linn a’ greasadh linne do’n uaigh, mar a ghreasar tonn le tonn gu traigh, agus mar so gu’m bheil “aon ghinealach a’ siubhal agus ginealach eile a’ teachd,” mar dhearbhadh gu’n “teid sgiamh an t-saoghail so seachad.” Tha e soilleir uime sin, gu’m bheil gach ni cruthaichte maraon anns na speuraibh agus air an talamh, buailteach do chaochladh. Tha ri fhaicinn ann an tigh-ioghnaidh ann an Lunnuinn, clachan-creadha a thugadh á seann làaaichean Ninibheh agus Bhabilon, a tha cheart cho slàn ’sa bha iad an latha rinneadh iad. Cha robh na daoine o shean a losgadh nan clachan-creadha mar a thatar a deanamh sa’n latha ’n diugh, agus tha sin ’ga fhàgail ni’s iongataiche gu bheil iad a’ seasamh cho fada. [TD 215] [Vol. 4. No. 27. p. 7] A SEANN PHAIPEAR ALBANNACH.—“Nach robh na Gàidheil air an cur ris gach ionnsuidh chunnartach, far nach robh ni sam bith ri fhaighinn ach cnàmhan brisde agus nach ’eil an luchd-riaghlaidh a deanamh dearmaid air na réisimeidean so uile aig an àm so, ach am Freiceadan Dubh a mhàin. Cha’n eil ach leth tuarasdal bliadhnail aig a chòirneal Albannach ged a b’e a chiad duine a bhrisd a staigh air Caisteal Mora, agus aig an àm ceudna tha làn thuarasdal aig seanalair Sasunnach, ged a b’e aobhar bàis mòran mhiltean de dhaoine treuna trid a shannt; agus a bharrachd air sin tha ’n còigeamh cuid aige-san de’n airgiod a ghlacadh aig Habhànnah. Fhuair an Seanalair so £86,000; ciod an coimeas a bha eadar a shaothair agus saothair nan saighdearan cumannta a fhuar leth ceud tastan gach fear, no Oifigeach a fhuair £80.? Bha da bhuidheann agus tri cuideachd anns an Fhreiceadan Dhubh, no mu 2300 fir agus cha’n eil ach mu cheithir fichead agus deich dhiubh so beò aig an àm so.”—“Edinburgh Advertiser,” 6mh. latha an iuchair 1764. DUINE TREUN.—Ann an earrach na bliadhna 1308 bha choltas air Righ Rabairt Brus gu’n robh e sàraichte le toradh nan cruaidh-chàsan agus nan gàbhaidhean a dh’fhuilinn e, agus an spàirn iongantach a rinn e airson saorsadh na h-Alba a thoirt air a h-ais. Bha e cho lag, fann, ’sgun do thuit e ann an eudòchas, agus gu’n d’ fhàs e caoin-shuarach mu nithe an t-saoghas so, agus cha robh dùil aig a chàirdean ’fhaicinn air muin eich a rithist. Ach nuair a chuala e gu’n robh feachd Shasunnach a’ tighinn da ionnsuidh fo chomannda Sheanalair do’m b’ainm Mò braidh, agus gu’n do ràinig iad Baile Inbhir-Uraidh ann an Siorramachd Abaireadhain, bhrod an laoch e féin, dh’éirich e agus thug e òrdugh do chuid de na daoine aige a thogail a dh’ionnsuidh na diollaid, agus chaidh e air aghart a chum a nàmhaid, a choinneachadh. Mharcaich duine air gach taobh dheth a chum ’s gu ’n cumadh iad taice ris, agus anns an t-seòl sin rinn e dian ionnsuidh air na Sasunnaich, agus chuir e an ruaig orra. Faic agus tuig so, a dhuine. Gheibhear gu tric do charaid a’s fhearr, agus do namhaid a’s miosa annad fein. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. T. G. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 216] [Vol. 4. No. 27. p. 8] Soraidh Slan le Fionn-Airidh. Eirich agus tiugainn O, Eirich agus tiugainn O, Eirich agus tiugainnt.O, Mo shoraidh slan le Fionn-Airidh. Tha ’n latha math, ’s an soirbheas ciùin; Tha ’n ùine ’ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth; Tha ’n bàt’ ’gam fheitheamh fo a siùil, Gu m’ thoirt a null o Fhionn-Airidh. Tha iomadh mile ceangal blàth Mar shaighdean ann am féin an sàs; Mo chridhe ’n impis a bhi sgàinnt’ A chionn bhi ’fagail Fhionn-Airidh. Bu tric a ghabh mi sgrìob leam fhéin Mu’n cuairt air lùchairt Fhinn an tréin; ’S a dh’ éisd mi sgeulachdan na Féinn’ ’Gan cur an céill am Fionn-Airidh. Ach cha ’n iad glinn ’us beanntan àrd’ A lot mo chrìdh ’s a rinn mo chràdh, Ach an diugh na tha fo phràmh An teach mo ghràidh am Fionn-Airidh. Slàn le athair caomh mo ghràidh; Bidh mi cuimhneach ort gu bràth; Ghuidhinn sonas agus àgh Do ’n t-sean fhear bhàn am Fionn-Airidh. Am feum mi siubhal uait gun dàil? Na siùil tha togte ris a’ bhàt’— Soraidh slàn le tìr mo ghràidh, ’Us slàn, gu bràth le Fionn-Airidh! TUIREADH AIRSON A BHRATHAR. LE DOMHNALL CUBAIR. Mo ghaol sgiobair a bhàta. Bha thu eolach ’s gach aite, Ghlac thu mhisneach bha sar-mhath ’s tu òg. Gur h-e chràidh mi, gun fhios domh Saoir bhi sàbhadh do chiste, ’S a cur aird’ oirr’ a thiotadh gu falbh. Agus taillear gad dhresaadh ’Dhol gad chur ann ad dheise, Dh’fheuch an togteadh san fheasgar leat seol S truagh nach mise bha teann ort Mun do dh-fhailnich do chainnt thu, Bheirinn lighich’ gad shealltinn air bord. Ged nach deanadh sìn feum dhomh, Thoirt a leigheas do chreuchdan, Gun biodh muinntir lan eibhneis ri ’m beo. Chan e sin bha mi ’g acain, Ach thu bhi ’d bhat’ air a h-acair Is nach dug iad thu mach aisde beo. Nuair a thog iad bho thraigh thu, ’Stu air ghuaillibh mu cairdean, Cha robh piuthar no brathair gad choir. ’S goirt an t-saighead ’bha sathte Anns a mhnaoi a rinn t’ àrach, ’Nuair ghlac Lachinn Mac-Faidein an t-ord. Thoirt a bhuird bharr na ciste Mun duinteadh fo lic thu Ged nach b’ ann thoirt dhuinn misnich ach bron. Gu bheil athair dheth deurach, Is a shuilean gun leirsinn, Bhi gad chur air an deile cho òg. Tha do cheile gun mhisneach, ’S do leanabh na criosan, S nach cuir thu’n duigh riof dhuinn ’san t-seol. Ach ’s coir taing thoirt do’n Ard-Righ Gu bheil mac ann at aite, Nuair thig spionnadh na ghairdean is treoir. Chaochail Tearlach Mac-Gilleain, am fear dha ’n d’ rinneadh an tuireadh so na bhata, ’se leis fein, ann an Tobar-Mhoire. Chaidh a chorp a thoirt dachaidh do Thirithe. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1811. BHEIREADH E SHAOTHAIR.—Bha toll beag air mullach eaglais àraidh faisg air Baile Clann Phàdruig, agus ’nuair a bha an aimsir fliuch, bhiodh an t-uisge tighinn a staigh air an t-sluagh. Chaidh am ministeir, aon latha mu’n cuairt an sgireachd airson airgiod a thional a chum ’s gu’m bitheadh an toll air a charadh. Thachair e air iasgair bochd air an robh e eòlach agus dh’iarr e air beagan bhonn ruadh a thoirt dha air son na h-Eaglais. Fhreagair an t-iasgair “Cha-n urrainn domh sin a dheanamh, oir cha-n ’eil bonn agam ris an t-saoghal, ach bheir mi mo shaothair.” “Do shaothair!” ars am ministeir, “ciod tha thu ciallachadh? cha-n eil thu ad shaor, no ad chlachair.” “Cha’n eil” ars am fear eile, “ach air an ath Dhi-dòmhnuich a bhitheas an t-uisge ann, thig mi agus ni mi suidhe air an toll.” Rugadh pàisde nighinn ann an ceàrna de Indiana o chionn ghoirid, an ceathramh nighean deug a bh’aig a màthair. B’i màthair na h-ighinne an ceathramh nighean deug a bh’aig a màthair féin; ’bi sin a rithist an ceathramh nighean deug a bh’aig a màthair féin. Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eirigh leo; ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig aire agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair. Tha sinn air ar cur dh’an t-saoghal so air son a dheanamh ni’s fhearr agus ni’s sona, agus a reir ’s mar a ni sinn sin, bi’dh sinn fein air ar deanamh ni’s fhearr agus ni’s sona. Tha’n duine gle choltach ri iasg; Cha tigeadh trioblaid mhor sam bith na rathad na’n cumadh e a bheul dùinte. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 217] [Vol. 4. No. 28. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 18, 1896. No. 28. Litir a Lunnainn. FHIR-DEASACHAIDH,—Mu’n àm a ruigeas so sibh bithidh sibh a toirt a a steach na bliadhn’ ùire anns an t-seann chùnntais, agus mar sin ceadaichidh sibh dhomh a bhi guidhe dhuibh fein agus do bhur leughadairean, “Bliadhna mhath ùr.” Thug mi’n aire gu’n robh “Creag-an-Fhithich” a sgriobhadh thugaibh as a bhaile so o chionn ghoirid ag innseadh dhuibh gu’n do chùnnt e coig air fhichead a lathair aig dara coinneamh a Chlas Ghàidhlig. Tha mi gle thoilichte a radh ma ghabhas e an dragh ceudna a rithist gu’m faod e còrr ’us coig-deug air fhichead a chunntadh, agus iad so uile gu dìchiollach ag ionnsachadh ar cainnt mhathaireil. Tha an t-Oil-thaigh dùinte an dràsd airson tri seachduinnean agus mar sin tha sinn na’r tàmh, ach tòisichidh sinn as ùr air an t-seathamh latha diag de’n mhios so. Tha mi gle thoilichte fhaicinn gu’m bheil Orain Iain Luin air an cruinneachadh agus air an cur a mach leis an fhior Ghaidheal sin an t-Urramach A. Mac Gilleain Mac-na-Ceardaidh, agus bithidh mi fada na’r comain ma chuireas sibh thugan ceithir de na leabhraichean. Gheibh sibh ordugh airson sia tasdain le so chum paigheadh air an son. Air domh a bhi bruidhinn ri caraid an oidhche roimhe mu dheibhinn MAC-TALLA thubhairt rium gu’m be bheachd fein gu’m bitheadh e na ni gle mhath na’n cuireadh sibh a mach ann an leabhar beag an sgeula gasda sin a thug sibh dhuinn o chionn ghoirid agus a bha air a sgriobhadh le ar deadh charaid “Iain.”—’Se tha mi ciallachadh. “Taigh na Coille.” Na’n rachadh agaibh air so a dheanamh tha mi cinnteach gu’m bitheadh aireamh mhor de bhur leughadairean deonach air an leabhar a cheannach. Tha na leanas air eadar-theangachadh agus air a thoirt o phaipeir-naigheachd a th’ air a chur a mach an so leis an Eaglais Chleireach:— “Seirbheis dhruighteach.—Tha duine òg, ard, le suilean domhain agus gnuis lan dùrachd na sheasamh air bialthaobh co-thional beag a tha cruinn anns na suidheachanan a’s fhaisge do’n chubaid. Faisg air an dorus tha beagan luchd-amhairc air [?] uile choltas gu’m beil iad aig an taigh, ach tha e furasda fhaicinn gu’m beil ni-eigin a cur eadar-dhealachadh eadar iad so agus an luchd-aoraidh. Tha an duine òg a tòiseachadh ann an cainnt choimhich, agus an ceann beagan ùine tha e seinn, le guth laidir binn, fonn tiamhaidh a tha air a thogail leis an dorlach a tha na’n suidhe fa chomhair. Tha iad a stad fhad ’s a tha an duine òg a cur a mach an ath shreath, agus an sin a togail an fhuinn a rithist. Tha an t-seinn a dol air feadh na h-eaglais le fuain ceolmhor drùighteach, agus tha na deòir a ruith o shùilean a cho-thional. Tha iad a seinn na tritheamh sailm thar an fhichead mar a sheinn iad i an laithean an òige, agus tha cuid diubh nach cuala i fad seachd bliadhna diag. Is i th’ann seirbheis Ghàidhlig anns an Eaglais Chleireach an Derbi, agus is e an searmonaiche an t-Urramach Alasdair Connell, Lunnain. Cha chualas a chainnt gu dreuchdail anns a bhaile so bho chleachd Prionns’ Tearlach i nuair a thug e ant ordugh do na Gaidheil pilleadh a dh’ionnsaidh an Taobh Tuath. Tha iad anns a cho-thional so bho gach cearna de’n Ghaidhealtachd. Tha iad a nis ag eisdeachd ri firinn Dhé anns a chainnt sin is dlùithe ruigeas air an cridheachan. Tha faireachdain eadhon aig a choigreach air cumhachd na searmoin, agus is urrainn da beachd a bhi aige air cho taingeil agus cho aoibhneach ’sa tha iadsan a tha ga tuigsinn.” CABAR-FEIDH. Lunnain, 4, 1, ’96. Guth a Nyanza. Thainig Iain Mac Ille-mhaoil, a bha àireamh bhliadhnaichean a mach ’san àirde Niar, dhachaidh o chionn ghoirid. Tha sinn uile toilichte fhaiciun air ais. Bha Iain Mac Rath, (Mac Dhonnachaidh,) agus Màiri, nighean Sheòrais ’Ic Coinnich, aig ceann Beighe Hogamah [?] s’a chaidh. Tha ’n sgriobhaiche a’ guidhe saoghal fada agus sona dhaibh. Bho chionn beagan sheachdainnean bha coinneamh Pholitics againn ann an Talla na Stuaime. Bha na “gunnachan mòra” ann uile, agus tha mise ’g ràdh riut nach robh gainne fùdair orra, ach nuair a stad iad a losgach, chaidh gach duine dhachaidh mar a thainig e,—na bharail fhein. Labhair gach fear gu math air a thaobh féin; ach bhiodh e chum fallaineachd dhaoine na chluinncadh iad mu Pholitics, an àm taghadh fir-pàrlamaid, a ghabhail le grainne beag salainn. Tha Comunn na Stuaime (I. O. G. T.) a’ deanamh gu math. Tha an talla air a chur air dòigh a muigh ’sa stigh. Chuir na h-igheanan cruinn le da Shocial-bascaid a bh’aca na fhuair tri fichead séithir dhuinn. Bha deasboireachd Ghàilig againn o chionn ghoirid. B’i cheist, “Cò a’s feumaile do’n tuathanach, bò no each?” Fhuair an t-each am barrachd bhòtaichean. Cha’n eil mi fhéin ag àicheadh nach airidh an t-each còir air cliù gu leòr, ach cha bhiodh daoine ach gle mheadhonach as aonais cruidh. Tha mi fa-near gu’m b’e ’n fheadhain aig an robh a’ Bheurla gle dhona as na h-uilt, bu mho a bheireadh de lothan do’n Ghàilig. TASSO. 14, 1, ’95 [TD 218] [Vol. 4. No. 28. p. 2] COMHRADH NA H-ATHA. O Charaid nan Gaidheal. SEOR.—Cha tig focal as mo bheul an nochd ach smior na firinn—’nall a’ cheirsle-shiomain sin o chul an doruis agus minichidh mis’ a’ chuis dhuit. Ni sinn a’ cheirsle-shiomain sin ’n a samhladh air an t-saoghal, o nach ’eil dealbh a’ chruinne againn air an am na’s fearr. SGAL.—Nach mi fhein an gille a’ giulan an t-saoghail! Sin i agaibh a nis, agus feuchaibh an toir sibh oirnn-ne cumadh an t-saoghail a thuigsinn. SEOR.—Gabh a h-aon de na slatan sin, ’ille bhig, ’s dean leth-dusan pinne dhomhsa. Sin thu, mo ghille tapaidh—dean suidhe ’nis—agus feuchaidh mi a’ chuis a mhineachadh. ’S i a’ cheirsle-shiomain so, ma ta, an saoghal. Cuiridh mi pinne ann an so air a mullach, agus pinne eile gu h-iosal m’a choinneamh. Nach soilleir, ma ta, na-m biodh tu ann an luing a’ seoladh air falbh o’n phinne so ’tha air mullach na ceirsle, a dh’ ionnsuidh a’ phinne eile, gu’n cailleadh tu sealladh air bun a’ phinne air tus—an sin air a mheadhon, agus fa dheireadh air barr a’ phinne. Gabh air d’ aghaidh ’s an luing mar a tha mo lamh a’ dol, agus ri uine thig barr a’ phinne iosail ’s an t-sealladh, agus mu dheireadh tha thu aig a bhun. Gabh air d’ aghaidh mar sin mu thimchioll na ceirsle, agus thig thu ’dh’ ionnsuidh a’ cheud phinne dh’ fhag thu—a nuas air a chul a chum a’ cheart aite ’s an do thog thu do shiuil an latha dh’fhag thu’n cala. ’S ann ceart mar so a tha e ’tachairt air a’ chuan. Caillidh tu air tus an cladach, agus ri uine [?]. Mar tha thu ’gabhail air d’aghaidh tha barr croinn a’ tighinn ’s an t-sealladh tamull beag an deigh sin chi thu siuil ard na luinge—an sin na siuil iosal, agus mu dheireadh slige ’n t-soithich. Gabh thairis gu tir chein agus chi thu binnein nam beann a’s airde ’tighinn ’s an t-sealladh, agus uidh air n-uidh gu ruig an cladach. LACH.—Ar leam gu-m bheil mi ’g ar tuigsinn—ach nach robh sibh a’ dol a dh’innseadh ciod a chuir Captain Parry, agus feadhainn eile chum a’ chuain reota? SEOR.—Air d’ athais. Faic far am bheil mo lamh dheas air a’ cheirsle: cuiridh mi pinne ’n so.—’S e sin Eilean Bhreatuinn, agus a suas mar tha mo lamh a’ dol air a’ cheirsle tha ’n Roinn-Eorpa ’sineadh a mach gus am bheil i ruigheachd ceann tuath Asia, ann an so far an cuir mi pinne eile. So agad ceann mu thuath an t-seann t-saoghail. Calg dhireach mu choinneamh a’ phinne so tha ceann tuath America, agus an sin cuiridh mi pinne eile. Tha America a’ sineadh suas gu fada mu dheas fa chomhair na Roinn-Eorpa, agus cuan mor ris an can iad an Cuan Atlantic eadar riu. ’Nis, tha thu ’faicinn an da phinne so fa chomhair a’ cheile—a h-aon ’an ceann tuath America agus a h-aon eile ’an ceann tuath Asia. Bha ’mhiann oirnn fios fhaotainn an robh caolas fosgailte eadar an da phinne, eadar America agus Asia. Bha fhios daonnan gu-n robh gach caolas agus muir anns na cearnaibh sin reota; ach bha toil aig Breatunn fios fhaotainn an robh e comasach slighe seolaidh fhaotainn troi’ na cuantan reota sin, agus air an t-slighe sin dol a nunn o’n chuan Atlantic a tha eadar America agus an Roinn-Eorpa ’dh’ ionnsuidh a’ chuain a tha taobh eile an t-saoghail—and Cuan Siochail. LACH.—Tha mi ’tuigsinn; ach innsibh so dhomh, ged a gheibheadh sibh troi’ na caoil sin, agus ged a dh’ aimiseadh sibh air slighe fhaotainn rompa, ciod a’ bhuannachd a bhiodh ann ’n a dheigh sin gu leir? C’ait an rachadh sibh an deigh dol a mach! SEOR—Tha do cheist poncail. Amhairc ma ta ris a’ cheirsle-shiomain. So agad, mar thubhairt mi, Brautunn. Taobh eile na ceirsle tha aiteachan a bhuineas do Bhreatunn. Tha Innsean na h-Aird-an-Ear—tha rioghachdan mora eile, mar tha China as am bheil an Tea a’ tighinn, agus buidhnean de dh’ eileanan ris am bheil sinn a’ cumail malairt. Air an am so ’s ann mu dheas is abhaist do luingeis seoladh do na cearnaibh sin; ach tha ’n t-astar mu dheas anabarrach fada. Nach soirbh dhuit a nis a thuigsinn na’m faigheamaid a mach eadar an da phinne sin, ’s e sin eadar America mu Thuath agus Asia, gu’m buannaicheamaid ath-ghoirid mor, ’us gu’m faigheadh ar luingeis a nunn do na h-Innsean an Ear ’an uine ghoirid. Agus nach ’eil so a rithist a’ dearbhadh dhuit gu’m bheil an saoghal cruinn. Falbh thus agus fear eile ’mach air blar comhnard—gabhadh fear agaibh mu dheas agus fear mu thuath, agus c’ait’ an coinnicheadh sibh? Cha choinnicheadh gu dilinn na’m bu chomhnard an saoghal; ach amhairc air a’ cheirsle-shiomain, dealbh an t-saoghail, agus tuigidh tu na’m falbhadh da chuileig o’n aon aite, na’n gabhadh a h-aon diubh mu dheas agus an t-aon eile mu thuath, agus na’n siubhladh iad leis an aon luas, gu direach air an aghart, choinnicheadh iad, gob ri gob, calg-dhireach taobh eile na ceirsle, fa chomhair an ait’ a dh’fhag iad. LACH.—Air ’m fhocal firinneach tha mi ’g ad thugsinn—bha toil agaibh ath-ghoirid fhaetainn troi’ na cuain reota mu thuath ’null gu taobh eile an t-saoghail, ’an aite dol mu dheas—do bhrigh nach ’eil an t-astar cho fada ’n dara rathad ’s a tha e ’n rathad eile. An t-urram do’n cheirsle shiomain! Tog do shiuil ma ta—gabh mu thuath; cia mar a bhuadhaich na bha ’n ’ur beachd? SEOR.—Rainig sinn a’ Mhuir Reota toiseach an t-samhraidh, agus fhuair sinn sinn fhein ’am measg eileanan eighe ’bha aillidh ri amharc orra, ach ’n an culaidh uamhais ri tighinn tarsuing orra. Tha ’n eigh so ’tha ’snamh nan cuantan mora sin mar dhuthchannan farsuing, fo shneachd a’ gheamhraidh. Tha cuid de’n eigh reota sin ceithir cheud mile air fad, agus da cheud mile air leud. Tha i coig ’s a se ceud slat air tiughad, ’sa’ chuid a’s mo dh’i fo shaile. Tha cuid de na h-eileanan reota sin air uairibh ag eiridh gu airde mhor, mar bheanntan corrach, ard. Tha e anabarrach cunnartach a bhi ’seoladh eadar na mill oillteil sin. Tha iad a’ snamh air falbh leis an t-sruth a tha ’dol mu dheas; agus an uair a thig iad ’an caramh a’ cheile tha ’n toirm a ni iad uamhasach r’a h-eisdeachd, mar gu’m biodh an saoghal a’ spealgadh as a’ cheile ’n a bhloighdibh. ’S minic a chuir sinn ar n-acair orra, ged a b’ fhearr leinn gu mor fuireach uapa. Ri dealreadh greine tha iad aillidh, boillsgeanta: cha’n ’eil cumadh, no dreach nach gabh iad. Saoilidh tu air uairibh gu’m bheil cabhlach mor luingeis fo lan uidheam a’ gabhail a nios ann a’d’ choinneamh: saoilidh tu an ath uair gu’m bheil baile-mor a’ tighinn ’s an amharc. Chi thu, ar leat caisteil, turaidean, eaglaisean, agus stiopuill a’ boillsgeadh ri gathaibh na greine leis gach dath ’s a’ bhreacan; air chor ’s gu’m bheil iad ciatach, dreachmhor ri amharc orra—ach am Freasdal a thearnadh mo chairdean o theachd eatorra! SGAL.—Thuirt sibh gu’n robh iad a’ snamh leis an t- [TD 219] [Vol. 4. No. 28. p. 3] sruth—c’ait’ am bheil iad a’ dol, no c’ait’ am bheil iad a’ stad? SEOR.—Tha iad a’ snamh mu dheas, a dh’ ionnsuidh a’ chuain mhoir a tha eadar America agus an Roinn-Eorpa; agus ann am blas nan uisgeachan tlatha sin, agus fo theas grein’ an t-samhraidh, tha iad a’ leaghadh; ach tha cuid diubh a’ fuireach anns na cearnaibh fuara anns an d’ fhas iad, o linn gu linn, a’ sior mheudachadh. LACH.—An d’ fhuair sibh an seachnadh? SEOR.—Dh’fheuch sinn ris mar a b’ fhearr a b’ urrainn duinn ach fhuair sinn iomadh fasgadh cruaidh eatorra. Ghabh sinn air ar n-aghaidh, a’ tolladh a suas mu thuath, o latha gu latha. Air uairibh bhiomaid reota, gun chomas car; ach thigeadh ’n a dheigh sinn lunn trom fo’n eigh a sgaineadh i le fuaim oillteil—air falbh rachadh i, a’ fagail slighe fhosgailte againn-ne. Air iomadh uair rachadh stad a chur oirnn le eigh nach biodh ach ceithreamh a’ mhile air leud, agus chitheamaid o bharr a chroinn a’ mhuir fosgailte an taobh thall d’i. Cha bhiodh air an sin ach a h-uile mac mathar a bhi ’mach gu rathad (mar gu faiceadh tu Canal) a dheanamh troi’n eigh, leud na luinge, agus a tarruing troi’n t-slighe sin le buill. Chaidh sinn mar sin air ar n-aghaidh o aite gu h-aite—sgaoileamaid a h-uile breid a b’ urrainn dhuinn an uair a leigeadh an t-sid leinn,—a’ fagail duthaich ’us duthaich ’s na h-eileanan mor’ eighe. O! ’s iomadh maol mhor, gharbh air an deachaidh sinn seachad, a’ gnath-smaointeachadh gu’n robh sinn ’an deigh an caol ceart fhaotainn, ’s gu’m biomaid a nunn gu taobh eile an t-saoghail a thiota. Ciod a th’ agad air, ach seachduin ’an deigh seachduin gu’n robh sinn a’ cothachadh ris—a’ dol mu thuath ’an cois fearainn nach ’eil a choimeas air aghaidh an t-saoghail mhoir—gun lus, gun chraobh, gun duilleach, gun [?]—gun duine beo, no creutair ceithir-chasach r’a fhaicinn. SGAL.—Am faca sibh idir aon duine o’n a dh’fhag sibh ’ur duthaich fhein? SEOR.—Leig dhomh air an am ’s na cuir grabadh orm—innsidh mi dhuit ’n a dheigh so mu luchd-aiteachaidh nan duthchannan eagalach sin, agus mu na beo-chreutairean a th’ann, air muir ’s air tir.—Ach dh’ fhag sinn iad sin fhein a nis ’n ar deigh, agus rainig sinn tir an dolais agus na fasalachd anns nach robh eun r’a fhaicinn air iteig, no iasg a’ snamh, ach seorsa de mhucan-mara beaga, geala, a dh’ iasgaich sinn air uairibh. Ach ’s e ’chuir iongantas ’us caileigin de dh’ eagal oirnn, gu’n do chaill snathad na Combaist, no mar theirear rithe, an Tarunn-art, a buaidh. Tha fhios agaibh gu’n seas an t-snathad iuil so, no an Tarunn art, do gnath anns na cearnaibh so ris an taobh tuath. BUACHAILLE.—Nach e sud an ni ’chunnaic sinn ann am bocsa beag iaruinn fo ghloine air soitheach na Ceilpe? LACH.—Cum do theanga, ’gharraich, na cuir stad air a sheanachas. SEOR.—Cha’n amhairceadh ma ta an Tarunn-art na bu mho chum na h-airde tuath, no chum na h-airde deas; chaill i a buaidh ’s a h-eifeachd gu buileach glan, agus cha robh stath suil a thionndadh oirre. Ach ’n a dheigh so uile ghabh sinn air ar n-aghaidh—caoil ura, agus muirean ura ’fosgladh romhainn, agus maol air chul maoile a’ tighinn gach latha ’s an t-sealladh. Latha de na laithean rainig sinn aite araidh far an d’ thainig an Tarunn-art, no snathad na Combaist, a rithist beo, agus gu a buaidhean; ach an ait’ a gob a chumail ris an airde tuath, sheas i calg-dhireach ris an airde deas; a’ dearbhadh leis a so gu’n deachaidh sinn seachad air fior chridhe na h-airde tuath; a’ chuid sin de ’n t-saoghal ris an cum an Tarunn-art a ceann, c’ait’ air bith an cairear i. Air an latha so, mu mheadhon an fhogharaidh, dh’innis ar sgiobair gasda dhuinn (’s b’ e sin esan,) gu’n do choisinn sinn an coig mile bonn oir a ghealladh do’n cheud luing a ruigeadh an t-aite so. Cha ruig mi leas innseadh gu’n do thog sinn iolach gairdeachais. Ceithir-la-deug ’n a dheigh sin chunnaic sinn nach robh stath ’bhi ’stri na b’ fhaide. Bha ’n geamhradh a nis toiseachadh, eigh ur a’ tighinn air na h-uisgeachan. B’ eigin pilleadh, agus cala acarsaid fhaotainn anns an cuireamaid seachad an geamhradh. Cha b’e sin an fheala-dha, ach chuir sinn ar guala ris, agus shoirbhich leinn. Thilg sinn acair, sinn fhein agus an long eile ’bha ’s a’ chuideachd, ’an aite fasgach. Phaisg sinn na siuil, agus ’an ceann da latha bha sinn cho teann, reota ’s nach robh cumhachd air thalamh a b’ urrainn ar fuasgladh. LACH.—An d’ fhan sibh an sin fad a’ gheamhraidh? SEOR.—Is sinn a dh’ fhan; agus ged a bha ’m fuachd coimheach ’s gann a bha dìth no deireas oirnn. Bha ar sàth bìdh againn—de dh’fheoil a phronnadh ’an Susunn agus a chuireadh a suas ann an soithichean dìonach, le innleachd cho mòr ’s ged nach robh gràinne salainn oirre, gu’n do sheas i fallain, blasda ré na h-ùine. Bha eanaraich againn gach latha—fìon ’us beòir,—ach, cha tugadh iad deur spioraid dhuinn, a thaobh nach robh sin tèaruinte dhuinn. LACH.—An robh ’ur leòir connaidh agaibh—teine maith [?] SEOR.—Cha’n fhaod mi radh nach robh, ’s bha feum air. Chitheadh tu an deò analach mar thigeadh e ’mach as a’ bheul, a’ tuiteam ’n a cheòthraich reòta ’s ’n a shneachd, air an ùrlar. Na’m beanadh tu do dh’ iarunn le d’ làimh, gun ni eadar thu ’s e, dh’ fhàgadh tu a leud de d’ chraicionn air, mar gu’n glacadh tu gàta dearg, teinteach. LACH.—A mhic chridhe! Nach bi dùthaich na h-oillt i? ach cia mar a chuir sibh seachd an aimsir? SEOR.—Bha cuid a’ leughadh, cuid a’ sgrìobhadh; agus bha mar fhiachaibh oirnn a h-uile latha, moch ’us anmoch ruith an déigh a chéile air clàr na luinge, cho luath ’s a b’ urrainn ar dà chois ar giùlan, a chumail lùis ’n ar casan, agus bhiomaid a’ dannsadh ’s a’ leum, ’s a’ feuchainn a h-uile cleas a b’ fhèarr na ’chéile chum am fuachd a chumail air falbh. LACH.—Ach an robh teas idir ’s a’ ghréin air a’ mheadhon latha? SEOR.—Teas ’s a’ ghréin! a mhic chridhe—sin a’ ghnùis nach fhaca sinne fad thrì mìosan maith agus deich làithean! LACH.—Ciod a tha thu ’g ràdh? ’N e nach faca tu a’ ghrian fad thrì mìosan ’us deich làithean? SEOR.—Cha’n fhaca—bu doirbh dhomh, ’s gun i ann. Chaidh i fodha oirnn air latha deireannach an fhogharaidh, agus cha’n fhaca sinn an t-ath shealladh dh’ i gus an deicheamh latha de cheud mhìos an earraich. LACH.—’Fheara ’s a ghaoil! an cuala duine riamh a’ leithid? An robh sibh ann an dorchadas fad tri mìosan a’ (Air a leantuinn air taobh 7.) [TD 220] [Vol. 4. No. 28. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 18, 1896. Litir a New Zealand. A GHAIDHEIL CHOIR.—Tha mise a cur anns a litir so sia tastain us tri sgillinn (6s. 3d.) mar phàigheadh air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a chuireas sibh gu caraide dhomh anns an dùthaich so. ’Se ’s ainm dha Niall Bochannan, agus gheobh sibh an dòigh air an seòl sibh am paipear aig deireadh na litreach. Tha agam ri innse dhuibh gu’n d’fhuair mi deich àireamhan dhe’n MHAC-TALLA cho fada so agus tha e ’toirt iomadh ni gu’m chuimhne. Creidimh mi an uair a their mi gur h-e mo dhurachd “buaidh. agus piseach a bhi air a MHAC-TALLA, agus sibh féin a bhi fada beò gus a chlò-bhualadh. Ni mise ni’s urrainn mi gu pearsanta air son am paipear ciatach, eireachdail, a chur fa chomhair mo luchd-dùthcha, nach eil idir cho lionmhor anns na cearnan so ’s bu mhath leamsa. Chi mi litrichean o fhear-dùthcha dhomh as an Eilean Sgiathanach o àm gu àm anns a phaipear; tha mi anabarrach toilichte chluinntinn gu bheil mo chairdean anns an eilean sin a’ soirbheachadh, mar bu mhath leamsa iad a bhith. Thachair dhòmhsa bhi air an aon ruith ri R. I. Grannd, á Gleann Chashion, an Ontario; cha d’fhuair mi ach an droch chothrom air a Ghàilig ionnsachadh ann an làithean m’òige, agus mar sin cha’n eil annam ach an droch sgoilear Gàilig. ’Nuair a bha mise dol dh’an sgoil ann am paraiste an t-Srath, cha robh chridhe againn an aon fhacal Gàilig a bhruidhinn, oir rachadh ar sgiùrsadh air son a bhi ’labhairt cainnt ar màthar. ’Sann mar sin a bha’n luchd-riaghlaidh a’ deiliggeadh ris na Gàidheil ’san àm ud. Cha b’ioghnadh ged nach sgriobhadh iad an cànain dùthchasach. Ach tha cuisean air atharrachadh uaithe sin, agus ’s math mar a tha seach mar a bha. Bidh mi nis anns a cho-dhùnadh a’ guidhe soirbheachadh math le MAC-TALLA, agus an dochas gu’m bi e fada ’ginnse gach sgeul a’s fhearr na chéile, agus a gnaàth a cumail suas na Gàilig. Le deagh spéis, agus dùrachd, Is mise ur caraid, DOMHNULL ROTHACH. Port Chalmers, N. Z. 17, 11, ’95. Theid aig Breatunnach air a dhol ceithir-thimchioll an t-saoghail gun a chas a chur air tir ann an dùthaich chéin. Cha’n urrainn duine á rioghachd no á dùthaich eile air an domhain sin a ràdh ach e fhéin. ’Se sin a thug bith do’n fhacal a chluinnear gu bitheanta agus a tha fior gu leòr, nach eil a ghrian a’ dol fodha air an Iompaireachd Bhreatunnach. Chaidh leth sheann duine far an robh ministear ann an an Alba uair air son e ’ga phòsadh. Dh’innis e dha co ’n té a bha ’san amharc aige, agus air ball chuimhnich am ministear gum bu sheann leannain iad, agus ars esan, “Nach fhada bho na bha dùil agad a pòsadh?” “’S fhada gu dearbh,” ars an duine. “tha deich bliadhna fichead bho na rinn sinn reiteach, ach bha a cuideachd a’ smaoineachadh nach robh mise math gu leòr dh’i, agus chuir iad am pòsadh air ais. Ach tha iad deònach gu leòr gu’m pòsainn i an diugh.” Tha gnothuichean air an réiteach gu math ann an Ottawa. Tha na ministearan a chuir cùl ris a’ phriomhair an deigh a dhol air ais uile ach Tupper òg, agus tha’n seann Tupper a dol ’na àite-san. Cha’n eil cathair aig seann Sir Tearlach ann an tigh na Pàrlamaid, agus mar sin feumaidh e feuchainn ri fear fhaotainn. Tha iad ag radh gu bheil te de chaithrichean na siorrachd so ri bhi air a falmhachadh le Mr. Mac Keen a bhi air a ghairm do’n t-Seanadh, agus an uair a nithear sin gu’m feuch Sir Tearlach ri bhi air a thaghadh ’na àite. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano, agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 221] [Vol. 4. No. 28. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thainig beagan sneachda deireadh na seachdain s’a chaidh, agus toiseach na seachdain so, a rinn na ròidean gle mhath, agus tha na sleigheachan gu siùbhlach ’s na chuig a’ gliongarsaich gu fuaimearra mar a b’ àbhaist mu’n àm so ’n bhliadhna. Chuir àireamh mhath de luchd-gabhail a MHAC-TALLA stigh an dolair bho’n thainig a bhliadhn’ ùr, agus tha sinn a toirt moran taing dhaibh air a shon. Tha àireamh mhor bho nach cuala sinn fhathast, ach tha sinn ag earbsa gu’n cuir iad fios ugainn an ùine ghoirid. ’Nuair a tha ’m faoilleach againne ann an so, tha ’n t-iuchar aca an ceann eile ’n t-saoghail Thainig fios á Sidni, an Astralia ag innse gu’m b’e Di-màirt s’a chaid an latha bu teotha air an robh cùnntas aca bhi ’sa bhaile sin riamh. Bha moran air am marbhadh le teas na gréine. Fhuaireadh fear Albert Ball, a mhuinntir Ball’s Creek, marbh ’na leabaidh Di-luain s’a chaidh. Bha e tinn leis an dropsy o chionn àireamh bliadhnaichean, agus tha na dotairean a’ deanamh a mach gu’m b’e ’n tinneas sin a thug a bhàs. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa dha a dh’ aois. Mharbh fear Robert Harrison, ann am Brantford, an Ontario, le tuiteamas a mhathair fhéin oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha e toirt a nuas gunna bhar an àite ’san robh e ’n crochadh, agus air doigh eigin dh’ fhalbh an urchair as, agus chaidh am peilear troimh ’ceann-se, ’ga marbhadh air ball. Bhatar a taghadh fear-pàrlamaid ann a Huron a Niar, aon de shiorrachdan Ontario, Di-màirt s’a chaidh. ’Se conservative a bha stigh roimhe so, ach air an turus so, chuireadh liberal a stigh, Mr. M. C. Camshron, le còrr us da cheud gu leth bhòt a bharrachd air an fhear eile. Is Gàidheal Mr. Camaran, agus Gàidheal a tha gle dhileas do chainnt a dhùthcha. Cha’n eil dad againn ri radh dha thaobh mar fhear-pàrlamaid. Bha aon de chomuinn stuamachd Shidni (League of the Cross) a cur cuairt air a bhaile le eich us sleigheachan Dior-daoin. Bha ’n latha ’s an rathad cho math ’sa b urrainn daibh iarraidh, agus chaith ìad an uine gu cridheil. Bha na h-eich air an uidheamachadh gu briagha mar is àbhaist aig a leithid a dh’ àm, agus bha ’n t-sreath, anns an robh coig sleigheachan fichead, a’ sealltuinn glé bhòidheach ’san dol seachad. Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, phòs duin’ òg do’m b’ ainm Deòrsa Addy ann an Newport, an Ontario, agus chaidh treud de ghillean òga dh’ ionnsaidh an taige aige, a’ losgadh urchraichean ’sa’ seinn dhùdaichean. Anns an t-stroighlich a bh’ aca, thainig athair fear na bainnse a mach agus loisg e orra le gunna, agus chaidh am peilear ann an corp fear Uilleam Knight, a deanamh leòn air a thug a bhàs an ceann dha no tri lathaichean. Thug Addy e fhéin suas an deigh dha an urchair a losgadh. Tha an t-side a’ cumail anabarrach briagha; cha’n eil fuachd mor sam bith againn. Tha an acarsaid fosgailte fhathast, agus tha ’m bàt-aiseig a ruith eadar an da bhaile ceithir uairean san latha cho riaghailteach ’sa bha e ’san t-samhradh. Bha moran fhàidhean ag éiridh ’nar measg a’s t-fhoghar ’s ag innse dhuinn gu robh geamhradh tràth, fada, agus doirbh ri bhi againn, neo gu robh iadsan aìr am mealladh; ach tha e gle choltach gu robh iad bhar an cùrsa. Cha robh an geamhradh idir tràth, agus ge b’e ciamar a bhios e an deigh so a thaobh doirbhead, cha’n urrainn e bhi gle fhada. ’Si ’n sgeul mu dheireadh a thainig á Ottawa gu bheil Mr. Daibhidh Mac Keen air a ghairm dh’an t-Seanadh, agus gu’m bi aig sluagh na siorrachd so ri fear-pàrlamaid eile a thaghadh toiseach an ath mhios. Tha Sir Tearlach Tupper a’ tighinn a nuas air son feuchainn ri faighinn a stigh, agus tha na liberals a’ deanamh deiseil air son duine dhe’n ceud fhéin a chur a’ ruith ’na aghaidh. Bi’dh iadsan a tha dol a ruith air an Ainmeachadh air an 28mh latha dhe’n mhios so, agus bi’dh an Taghadh ann air a cheathramh latha dhe’n ath mhios. Tha e coltach gu bheil geamhradh us earrach cridheil gu bhi againn an taobh so. Chaidh soitheach smùide de’n ainm “Ealing” a long-bhristeadh aig Canso toiseach na seachdain s’a chaidh, agus chailleadh a sia deag dhe’n sgioba bh’air bòrd. Bha i air a turus eadar Newfoundland agus New York le luchd copair, agus chaidh i air sgeir ’si feuchainn ri dhol a stigh gu Halifax air son guail. Thachair so feasgar Di-luain, agus bha iad anns na bàtaichean fad na h-oidhche a feitheamh gus an rachadh an soitheach fodha. Bha ochdnar anns a’ bhàta bu lugha, agus a seachd deug anns a bhàta bu mhomha. Dh’ fhàg iad an soitheach ’sa mhaduinn Di-màirt, agus cha’n fhacas am bàta beag no duine dhe na bh’ ann tuilleadh. Bha stoirm mhor agus fuachd ann aig an àm, agus cha b’urrairnn iadsan a bh’ anns a bhàt’ eile dad a dheanamhach a leig eil leis a ghaoith. Chaochail dithis dhe na daoine oidhche Di-màirt, agus dithis eile, an caiptean air fear dhiubh, ’sa mhaduinn Dior-daoin; air feadh an latha chaochail triùir, agus sa mhaduinn Di-haoine chaochail fear eile dhiubh. Mu’n àm a chaochail am fear so chunnaic iadsan a bha beò tir, agus rainig iad an ùine gun bhi fada, Canso, far ’n do ghabhadh deagh chùram dhiubh. ’N an robh iad air a bhi mach uair eile bha iad uile air an reothadh gu bàs. De’n choig duine fichead a bh’ air bòrd an t-soithich, cha d’ fhuair gu tir beò ach an ochdnar, agus chaochail fear dhiubh sin, ballach òg, beagan lathaichean an deigh dhaibh tigh’n air tir. Bha iad uile air an reothadh gu dona, agus tha e coltach gu’m feumar na làmhan ’s na casan a ghearradh bhar cuid dhiubh. Chaidh coignear dhiubh a thoirt gu Halifax toiseach na seachdain so; bha an triùir eile cho dona ’s nach gabhadh iad carachadh. Bhuineadh an sgioba uile do Shasuinn, ach dithis a bha mhuinntir Newfoundland. IANUARAIDH, 1896. 1 Di-ciaduin La na Bliadhn’ Uire. 2 Dior-daoin [1] A Ghrian ag éiridh, 7.38; a’ laidhe, 4.30. 3 Di-haoine 4 Di-sathairne Fhuaras America, 1492. 5 Di-Domhnaich Domhnaich an Taisbeanaidh. 6 Di-luain Seann Nollaig. 7 Di-mairt An Canteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 11.25, mad. 8 Di-ciaduin 9 Dior-daoin Bàs an III. Napoleon, 1873 10 Di-haoine A Ghrian ag eiridh 7.36; a’ laidhe 4.39. 11 Di-sathairne 12 Di-Domhnaich I, Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 13 Di-luain 14 Di-mairt An Solus Ur, 6.19, feasgar. 15 Di-ciaduin Crunadh ban-righ Ealasaid 1559. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine Blar na h-Eaglaise Brice, 1746. 18 Di-sathairne 19 Di-Domhnaich II. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 20 Di-luain 21 Di-màirt A cheud phàrlamaid Shasunnach, 1269. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin A cheud chairteal dhe’n t-Solus, 10.42, feasgar. 24 Di-haoine 25 Di-sathairne 26 Di-Domhnaich III. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 27 Di-luain 28 Di-màirt 29 Di-ciaduin Bas an III. Deòrsa, 1820. 30 Dior-daoin An Solus Lan, 4.55, mad. 31 Di-haoine 30) Bas Priu’sa Tearlach 1788 Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 222] [Vol. 4. No. 28. p. 6] NA SEOTAIREAN. Fhuair mi na litrichean a leanas ann an seann phaipear Gaidhealach. Ma dh’fhaote gu bheil e cho freagarrach an cuir an clo an diugh ’sa bha e a’ chiad uair. “Cha mhisde sgeula mhath a h-aithris barrachd ’us aon uair.” MARGAREE. LITIR MU NA SEOTAIREAN. “Nuair a bhios am bodach na thamh bidh e ’ruamhar.” FHIR MO CHRIDHE,—Cha robh mise ’na mo thamh a bheag a dh’ùine o’n chuala tu uam mu dheireadh, agus is e sin bu choireach nach d’fhuair mi bheag a ruamhar a dheanamh. Bu choir a chuid mhor de’n ruamhar a bhi deanta roimhe so na’m biodh toil aig daoinibh gach ni a chumail an deagh ordugh. Bha an seann-duine ’gradh, “Am fear ni ’obair na thrath bidh e rithisd na leth thamh,” agus, “Am fear a bhios fada gun eiridh bidh e na leum fad an latha.” Tha so cho fior ri seann-fhacal a chuala mi riamh. Ach ged a tha, cha toirear a bheag a gheill da. An duine bu ghlice bha riamh air an t-saoghal, thuirt e gu’n robh am ann airson a h-uile ni bha fo na ghrein. Cuiridh a h-uilc duine glic, tha mi deimhin lan aonta ris a so. Their cuid eile gu bheil am ann airson seotaireachd. Tha e ro choltach gu bheil, oir tha na seotairean momha ’s lionmhor ’san dùthaich a nis. Is por iad a dh’fhasas suas cho grad ri ballag-bhuachair air raon, no ri folach ri taobh nan garaidhean. Tha bheag no mhor a dh’fheum anns na ballagan-buachair; oir ithidh na Sasunnaich cuid dhiubh an uair a theid am bruich ’san stobhadh gu math le sim, agus ithidh an seana chrodh ’sna seann eich a bhios air dhroch fhiaclan am folach. Cha’n aithne dhomh gu bheil feum fo’n ghrein anns na seotairibh. Bidh iad ga’n staoghadh fhein ri taobh an teine an latha bhios fliuch no fuar, agus ged a gheibheadh iad gu leoir ri dheanamh cha toir iad lamh air aon char. Nach fhaodadh iad acfhuinn an treabhaidh fhaotainn air doigh? Is i dudhlachd a gheamhraidh an t-am air son a bhi deanamh agus a’ caradh bhraighdean, a’s shintean, a’s ghreallag, a’s amull, a’s chromag, a’s chrann, a’s chliathan, a’s chairtean, ’s mar sin sios. Bu choir do gach tuathanach “na h-eich, na h-iallan, ’sna h-aghastair” a bhi na’n lan ordugh air son teannadh ris an treabhadh cho luath ’sa thigeadh an aimsir gu dad a thiormachd. An aite so is e bhios ann cha toir an seotaire lamh air car a dheanamh gus am faic e na coimhearsnaich air alachadh ’san treabhadh. Toisichidh e’n uair sin air rurach mar am broc, agus is gann nach cuir e’n taobh tha fodha dhe’n tigh as a chionn, ’s gun sgeul aige air aon bhall a dh’acfhuinn an treabhadh. Bidh e cho cas ri cat ann an carn ’s gu ’n sgeul air sintean an eich bhain. Mu dheireadh thall innsidh a bhean gu’m b’eiginn di ’n cur nan ceangal air a’ bhoin ghlais ’nuair a bhrist i’n seann cheangal a bh’oirre. Cha’n e tagha na tainge a gheibh i air a shon so. Caillear latha ’deanamh shintean, latha no dha ’n tigh an t-saoir a’ cur buird-uiridh air a chrann, air neo a cur droma uir ann, san t-seann druim air air failingeadh aig toll a’ choltair, latha eile ’sa cheardaich a’ deanamh suic uir ’sa cur leasachaidh air a’ choltair. Eadar a’ h-uile rud a bhios r’a dheanamh theid an t-seachdain seachad mu’m faighear car treabhaidh a dheanamh—“Fada gun toisicheadh, fada gun sgur agus beagan pisich,’ Bho’n nach d’rinn e’n obair na h-am feumaidh e bhi ’g obair gun fhois, agus an deigh sin gu leir cha bhi ach ro bheag pisich an deigh a shaoithreach. Bha an treabhadh fadallach, agus air a dhroch dheanamh; am beagan arbhair a dh’fhas, b’eiginn a bhuain mu’n robh e abuich gu leoir. Chaidh cuid dheth chuir ’sa mhulan ma’n robh e sughta gu leoir, agus ghabh e teas. Cha robh feum na ’fhodar no na ’shiol. Dh’fhas an spreidh caol ’s gun iad ag itheadh an fhodair air choir. An uair a theann iad ri dhol air thogail b’eiginn an siol san t-arbhar gorm thoirt dhaibh feuch an cumta an deo annta. Fhuair cuid dhiubh bas an deigh na chosgadh riutha. Bho’n nach robh an t-arbhar abuich gu leoir cha robh an gran ach caol. Cha robh bheag a mhin ann. “An uair is caoile ’n gaan ’sann is daoire ’n gran.” Cha bhi daoine beo gun bhiadh, agus feumair pairt de’n spreidh a reic gus a’ mhin ghallda phaidheadh, agus o’n chaidh a chaoile cho fada steach annta ’san earrach cha do ghabh iad a’ bheag a b’fhiach a chulaidh. B’eiginn an reic air pris bhig. Air an doigh so tha’n stoc a’ dol a lughad sa lughad o bhliadhna gu bliadhna. Ged a chi an seotaire so cha toir e fainear gur e fein is coireach, ach cuiridh e choire air an aimsir agus air an Fhreasdal. A bharrachd air a so their e gu tric gur e gainne an fhearainn is coireach. Cha ’n e idir: oir ged a bheirteadh baile fearainn dha cha bhiodh a chuis car ni b’fhearr. Na’n d’rinn e’n obair na h-am cha bhiodh so mar so. “Ge b’e neach cuir ’san latha fhuar cha bhuainn ’san latha theth.” Dh’fhaodainn lentainn gus am maireach air innseadh mu na seotairean air an do chuir mi eolas na’m latha ’s nam linn, agus cha chuirinn crioch air mo naigheachd. Ach foghnaidh na thubhairt mi. Bu cheart cho math dhomh teannadh ri taomadh a’ mhuir-lain le cuman gun mhas ri teannadh ri comhairle thoirt air seotaire. Is e tha n’am aire gu h-araibh rabhadh a’ thoirt do’n mhuinntir sin a tha’n cunnart gabhail ann an reisemaid nan seotairean. Cha chuala mi gu’n d’rinn a cheart reiseamaid treubhantas riamh bu chliutaiche na bhi ’g itheadh ’sag ol air chosdas dhaoine eile! Is mi &c. PLOCAN-AN-RUAMHAIR. Air reir coltais fhuair e moran de litrichibh caine bho na seotairean. So te fhuair e bho cheannard na reiseamaid;— Fhir gun naire,—Tha thu air toirt a mach gu sgriobhadh anns an am so. Cha’n eil fhios cait an sgur thu nis. Ach ciod e’n gnothuch a bh’agad iomradh a thoirt air na seotairean? Nach coma dhutsa co dhiubh a bhios iad ag obair no nach bi. Ma tha thusa ’g obair faiceam ciod a bhios agad air a shon air a cheann mu dheireadh. “Cha toir thu fo’n uir ni’s mo na bheir Calum.” Tha thu’n deigh do chuid fearainn a chur ann an deigh ordugh gun teagamh. Cha ghabh an ni sin aicheadh. Ach ma tha cha’n eil fios agam nach cur am bailidh snoigeach tuilleadh mail ort an uine gun bhi fhda. Abair thusa na thogras tu, ach tha mise ’g innseadh dhut gu’m b’fhearr dhut gu mor an saoghal a gabhail ni bu shocraiche na tha thu deanamh. Bidh spaid us piocaid na do dhorn gun fhalbh as. Cha ’n fhaicear a dig dhiot ach mullach a’ chinn. Bi tu amach fo’n uisge ’s fo ghliobhaid ’s ri tide nan seachd sion. Bi tu na do chreutair riobach, giobach, truagh, cho mi-dhaicheil ’s a chunnaic mi riamh. Their mi suil ma’n t-sroin ruit nach “tugainn da sgillinn ort no idir leth a’ ghrota.” Ma tha smodal de’n t-saoghal agad cha’n ann gu’n fhios c’arson. Gheibh [TD 223] [Vol. 4. No. 28. p. 7] mise agus na criosduidhean eile, anns a bheil a’ chiall na bheir an aire dhuinn fhein, na dh’fhoghnas duinn fhad ’sa bhios sinn beo. Tha thuse le ’do ruamhar agus le d’ chuid sgriobhaidh mar gu’m biodh tu deonach air mi-chliu a toirt ormsa agus air aon duine coir eile nach ab cairteal latha ’chur seachad maille r’a cheile mar chuimhneachean air an am o shean. Nach iomadh latha th’aig an uir ort! Ma tha droch bharail agad air na daoine coire tha mu’n cuairt duit, cum do bharail agad fhein. Ma their thu an corr bheir mi aon fhasgad air an t-sealbhan agad a chuireas as do chuimhne na chunnaic ’sna chuala tu riamh. Is mi do dhearg namhaid, CALUM SOMALTA. Tha mi tuigsinn gu’n do fhreagair a’ bhrog do Chalum coir. Bho’n na chuir e fhein uime i cha’n eil aige ach a caitheamh. Is mo tha a litir toirt a dh’urram dhomhsa na tha i toirt a dh’ eas-urram dhomh. Tha e fior gu leoir gur h-iomadh latha th’aig an uir orm, ach ’sann mar sin is dichiollaiche ’s coir dhomh a bhith fad na h-uine ghoirid a th’agam air an talamh. “Ge b’e ni a gheibh do lamh r’a dheanamh dean e le d’ dhichioll; oir cha’n eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas anns an uaigh d’am bheil thu dol.” So agad briathran Sholaimh, agus is i mo bharail-sa gu’r e bu ghlice na Calum. Cha’n eil fhios agam an aidich Calum so ged a tha e gabhail air fhein a bhi na dhuine diadhaidh. Their mise suil mu’n t-sròin ri Calum’ agus r’a chompanaich, nach sgur mise a ruamhar no a sgriobhadh fad s’is urrainn domh spaid no peann a ghluasad. Their mi an fhirinn cho fada s’is aithne dhomh, agus ge b’e leis an searbh i cha’n eil aige ach eisdeachd ris na gheibh e. PLOCAN-AN-RUAMHAIR. Air a leantuinn bho thaobh 3. gheamhraidh? SEOR.—Cha robh idir. Tha freasdal an Tighearna caoimhneil anns na dùthchannan sin mar anns gach àite. Ré nan trì mìosan sin tha a’ ghealach làn againn, gun dol as an t-sealladh a latha no dh’oidhche; agus ni ’chuireas barrachd iongantais ort, ’an deigh a’ cheathramh-là-deug de’n Mhagh, cha téid a’ ghrian fodha tuilleadh, no as an t-sealladh a latha no dh’oidhche gus an téid i fodha gu buileach deireadh an fhogharaidh: air choir agus fad chòig mìosan nach ’eil dealachadh sam bith eadar latha agus oidhche. LACH.—An robh na speuran soilleir, g’an, fad nam mìosan dorcha sin? SEOR.—Bha. mi ’dol a dh’innseadh dhuit, gu-n robh iad na’s soilleire na chunnaic thusa riamh oidhche fhoghair ’san dùthaich so. Bha na fir-chlis a’ cur nan car dhiubh fad na h-ùine—agus b’iad sin na fir-chlis mhòra, aighearrach. Cha’n eil cainnt agamsa ’bheir dhuit am beachd a’s faoine air gluasad boillsgeanta, siùbhlach nan solus iongantach so. Chì thu na speuran, o thaobh gu taobh, làn diubh—fo dheich mìle cumadh agus dreach. Tha iad an tràs’ buidhe, ’s am priobadh na sùl’ tha iad dearg, lasrach. Tha iad ’san aon leumnaich chlis, bhrisg an tràs’—’san ath mhionaid cha’n eil coslas dhiubh r’a fhaicinn. Cluinnidh tu iad a’ spreadhadh ’sa’ fuaimnich le srann àrd, a chuireadh oillt air duine nach robh eòlach orra. LACH.—Cò sud a mach a’ bualadh aig an dorus? Ciod tha dhìth air a bhanaraich? BANARACH.—Cuiribh a mach na buachaillean a bhiadhadh a’ chruidh—tha’m buntàta air tighinn dheth—gabhaibh a nall, a Sheòrais. LACH.—Cha’n eil comas air. Tha dòchas agam gu’m bheil oidhche eile ’tighinn. Cha bhi mi fhein toilichte gus an cluinn mi deireadh a’ ghnothuich. SGAL.—’Eudail, a Sheòrais, na h-innsibh focal tuilleadh gus an suidh sinn air fad a rithist ’an so le ’chéile. SEOR.—Cha-n innis focal, a laochain—tha mòran agam r’a innseadh dhuibh fhathast mu luchd-àiteachaidh nan dùthchannan sin—mu na h-Esgemothaich—mu na ròin—na sionnaich gheala—na madaidh-alluidh—na math-ghamhna—na tairbh-uisge, agus iomadh ni iongantach eile a chunnaic mi. Ach tha bh’uainn a bhi ’gabhail a null. Och! Och! ’se sin an t-aingeal suilbheara, taitneach a tha agadsa, ’Lachainn. Bu phrìseil e ’san àite mu’n robh sinn a’ labhairt, ged is dì-chuimhneach air beannachadh an Tigheasna ’san dùthaich shona so sinn. Tha còig mile deug leabhar anns a’ cho-chruinneachadh leòbhraichean a th’aig Mr. Gladstone, agus tha ’n seann duine e-fhéin cho mion-eòlach air am feadh, ’s gu’n teid aige air fear sam bith dhiubh fhaotainn ann an leth mionaid. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 224] [Vol. 4. No. 28. p. 8] Mo Chruinneag Ileach. LE NIALL MAC-LEOID. Ochòin a ’ri Gur e mi ’tha muladach! Nach robh mi ’n Ile ’S mo ribhinn lurach ann; ’S i ’thogadh m’ inntinn Le ’brìodal cuireadach, ’S a bheir fo chis mi Mur till i tuille rium. An eilean uaine Nan cluainibh glacagach, A dh’ fhàg mi ’ghruagach A ’s uisle cleachdaidhean; Gur tric mi ’bruadar Mo luaidh ’bhi ’n taice rium, ’S ’n uair ’nì mi dùsgadh Mo rùn cha ’n fhaicear leam. Cha ’n e ’cuid stòrais ’Thug dhòmhs’ an acaid so, Ach meud a bòidhchead, ’S a còmhradh faicilleach— Tha ’cruth gun fhòtus ’S gach seòrsa mais’ oirre, ’S a guth cho ceòlmhor Ri eòin na maidne leam. Ged tha Dun-Eideann Cho éibhinn caithreamach, ’S na mìltean té ann Mar reultan lainnireach— Le’n òr a’ deàrrsadh Air sràid cho farumach— Ach cha bhi ’n àilleachd No ’m blath ro mhaireannach. Thoir dhòmhs’ a’ mhaighdeann ’Tha bainndidh cumadail, Gun cheilg gun fhoill, Ach gu caoimhneil furanach; Ged nach biodh ’saibhreas No ’h-oighreachd bunaiteach, Gu ’m bithinn aoihhneach Le loinn na cruinneig sin. Ged chaidh a h-àrach Aig tràigh nam marannan, Tha ’buadhan làidir ’S tha ’nàdur carthannach, Thug gaoth nan àrd-bheann Dhi slàint’ ’us fallaineachd, Mar ròs an garadh Fo bhlath gun fhannachadh. Gu’m b’ e mo dhùrachd ’Bhi dlùth do ’n chala sin— ’S ’n uair théid an dùdlachd Air chùl cha ’n aithreach leam— Cha d’ thug mi dùil dheth Nach stiùirinn thairis ann, A dhèanamh cùmhnant Ri rùn nan caileagan. Na dean fanaid gu bràth air duine air am faic thu ad ghiobach agus seann aodach. Dh’fhaoidte gur a fear-deasachaidh paipeir e, agus dh’fhaoidte gur e ’m fear stàtail ud eile, le aid Bhiobhair, le bhrògan buidhe ’s le aodach riomhach gallda, fear de luchd-gabhail a phaipeir, ’s nach do phàigh e sgillinn air a shon o chionn còig bliadhna. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 225] [Vol. 4. No. 29. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 25, 1896. No. 29. Litir as an Niar Thuath. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha mi ’cur ugaibh mo dholair anns an litir so, air an latha mu dheireadh dhe’n bhliadhna, a’ guidhe le dùrachd, Bliadhna Mhath Ur do Mhac-Talla. Agus tha mi’n dòchas nach ann leis féin a ruigeas mo dholair e, ach gu’m bi gu leòr d’a sheòrsa ag itealaich g’a ionnsaidh mu’n am so, agus ma bhitheas, cha chùram nach bi bliadhna mhath ur aige da-rireadh. Tha’n Niar Thuath car balbh ’san àm, ach cha’n eil aobhar gearain bho’n tha slàinte a’ riaghladh anns gach cearna. Tha pris a chruithneachd ’s gach gran eile fhathast iosal, agus a thaobh sin tha e car doirbh do dh’ iomadh fear dolair a nochdadh aig a cheart àm Le bhi cho sgapte anns an dùthaich so, tha na Gaidheil air moran d’an àbhaistean a leigeil seachad, gu h-àraid an cridhealas a bhiodh aca an àm na Nollaig ’sna Bliadhn’ Uire; agus m’ a dh’fhaoidte, ’n deis a h-uile rud, gu ’m biodh e cho math cuid dhe na seana chleachdaidhean a leigeil air diochuimhne, gu h-àraid a chuid sin dhiubh anns am biodh an t-uisge-beatha mar ghoistidh aca. Cha’n eil romham litir mhor a sgriobhadh air an turus so, agus uime sin bidh mi a criochnachadh. Leis gach uile dheagh dhùrachd, is mi bhur caraid, SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, N. W. T. Litir a Ceap Nor. FHIR-DEASACHAIDH:—Leis na tha de sgriobhaichean matha Gàilig agaibh ’s gann a dhùraigeas mi féin peann a ghlacadh gu facal a chur do ’ur n-ionnsuidh. Tha e mòran ni’s usadh Gàilig a leughadh na tha e a sgriobhadh. Dh’fhoghlum mi féin a leughadh ’nam fhior òige le bhi sàs anns a phaipear ghasda bha uair-eigin air a chur a mach an Glasacho—AN GAIDHEAL. Bu duilich leam an comas sin a reic an diugh air suim sam bith de dh’ airgiod. Chaidh an Gàidheal á bith le dìth luchd-gabhail, ’sa theagamh, le droch luchd-pàidhidh, ach tha dòchas làidir agam nach ann mar sin a thachras do’n MHAC-TALLA. Ma ni a luchd-gabhail an dleasanas le bhi ga phaigheadh gach bliadhna, ’s le bhi faighinn tuille luchd-gabhail dha, ’s ann a bhios am MAC-TALLA a sior thighinn air adhart, am meudachd ’s anns gach dòigh eile, air chor ’s gu’m faod a luchd-leughaidh gu léir a bhi làn riaraichte leis. Tha geamhradh air leth briagha againn an so. Tha deagh ròidean againn le beagan sneachda fad greis, ach tha’n aimsir co blàth a nis o chionn da sheachdain ri deireadh an fhogharaidh, ’san sneachda, gu ìre bhig, air leaghadh. Thug e ni-eiginn do thogail do’m chridhe a leughadh ’sa MHAC-TALLA, gu’n robh sibh duilich sinne chall aodhaire cho math ris an Urr. Calum Mac Leòid. ’Sann a tha’n t-aobhar doilgheis againne, a dhuine, an deigh na h-ùpraid gus an deachaidh sinn ri teas an t-samhraidh, a meudachadh a mhansa ’sa feuchainn ri fhaotainn ullamh roimh fhuachd a gheamhraidh, ’s sinn cinnteach á seirbheis ar teachdaire ré uine ri teachd. Cò ach sinne?—gach fear le thuaigh ’sa choille, a snaigheadh fiodha—’s sinn cho sona ged a bha ar fallas a sruthadh ’sna cuileagan ’gar sgobadh. Ciod a b’fhiach sin ’sam ministeir gus a bhi gu seasgair againn ’sa mhansa troimh ’n ghamhradh. Mu’n gann a bha Mr. Mac Leòid aon bhliadhna suidhaichte ’nar measg-ne an deigh dhuinn gairm a thoirt da, ’sann a chuir sluagh a Ghut a-Deas agus Bhaile-nan-Gall an cinn cuideachd a chum a ghairm d’an ionnsuidh féin—Cha robh àite aca air an tugadh iad an aghaidh ach co-thional bochd Cheap Nòr. Shaolamaid gu’m b’ iadsan an sluagh mu dheireadh a dheanadh a leithid sid, an deigh cho olc ’sa chòrd e riu féin an ceann-iùil a chall air an dòigh cheudna. Agus nach do leugh mi ’san FHIANUIS CHLEIREAL gur h-ann a bha co-ghàirdeachas air a dheanamh maille ris an t-sluagh sin a rinn sinne cho truagh a chreachadh le ar ministeir a thoirt uainn. Cha bu choltach sin ri mòran truais a bhi ri Ceap Nòr ’san latha sin. Tha chùbaid againne falamh aig an àm. Bhuineadh uaine deagh shearmoinaiche. Biodh iadsan a thug leo e dìleas da, ’sna cluinneamaid gu’n tig smid ghearain air-san á beul aon diubh r’am beò. Is eigin domh stad. Guidheam Bliadhna Mhath Ur do’n MHAC-TALLA ’s do luchd-gabhail air feadh an t-saoghail gu leir. Is mi do charaid dìleas. AN TUATHANACH BAN Ceap Nòr, Dec. 31. ’95. Dluth-Tharruing. Thug sinn cheana fa’near ann an earranaibh eile, cuid de na buaidhibh a ta ri’m faicinn air cruinn-mheallaibh soillseach nan speur. Labhair sinn air an aireamh, am meud, an astar, agus an soilleireachd; ach tha buaidhean eile orra, air nach do labhair sinn fathast; agus s’ iad sin, an dòigh air am bheil iad a’ gluasad, agus an dluth-tharruing nadurra a ta eatorra. Tha e ’na bhuaidh air gach ni gu’m fan e aig fois mur gluaisear e le cumhachd eigin eile. Ged is innleachdach an obair a chithear ann an uaireadair, gidheadh cha ghluais o mur teannaichear a shlabhraidh. Cha charaich am peileir as a’ ghunna, gus an cuirear teine ris an fhudar. Ceart mar sin cha ghluaiseadh an talamh, no na reultan, mur biodh cumhachd eigin air a ghnathachadh chum an greasadh ma’n cuairt air na slighibh mora agus farsuing fein. A ris, tha e air ’fhaotainn a mach gu’m bheil, a thaobh nadair, dluth-tharruinn eadar gach aon ni anns a’ chruitheschd, chum an dluthachadh r’a cheile. Is buaidh so a chithear anns na smuirneanaibh a’s lugha, co math is anns na meallaibh a’s mo ’sa chruitheachd. Chithear e anns a bhraon a’s lugha de’n druchd air an lus mhaoth. ’Se an dluth-tharruingeachd so a ta deanamh an druchd ’na chuirneanaibh cruinn agus boisgeach air bileagaibh an fheoir; agus ’se mar [TD 226] [Vol. 4. No. 29. p. 2] LITIR BHO IAIN. FHIR MO CHRIDHE.—Bliadhna mhaith ùr dhuit, agus mòran dhiubh. ’D e mar a chuir thu seachad a’ Nollaig ’s a’ Bhliadhna ur? Is cinnteach gu’n do chuir gle chridheil, sunndach mar bu ghnath leat. An creid thu so? Riamh o rugadh mi cha do chuir mi seachad Nollaig mar a chuir mi seachad an te mu dheireadh. Theab lion mo mhillidh a dol mu m’ chasan. Ach ged a ruiginn aois nach d’ rainig m’athair no mo sheanair cha teid a’ chuis as m’ aire. Innsidh mi dhuit facal air an fhacal mar a bha. Fhuair mi cuireadh bho sheann fhear-eolais, Niall Ruadh, gu dhol g’ a fhaicinn aig an Nollaig. Nis, is gle thoigh leam oidhche no dha a chur seachad an drasta ’s a’ rithist ann an tigh an duine choir so. Tha e fhein agus a bhean air dhithis, tha mi ’m beachd, cho coir s cho fiosrach ’s a thachair riamh orm. Tha iad cho gasda ’s cho Gaidhealach nan doighean ’s gu faod neach sam bith a bhi cho dana orra ’s ged a bhiodh e stigh aige fhein. Bha fhios agamsa air a so, agus bha mi gealltuinn dhomh fhein gu’n cuirinn seachad an Nollaig gu cridheil. Mo chreach ’s beag a bha dh’ fhios agam air na cliobaistean a bha gu eirigh dhomh. Air na chunnaic thu riamh na toir guth ri duine beo air a so air neo bidh mise nàr dheth ri m’ bheo. Nuair a rainig mi tigh mo charaid bha lamhan sgaoilte romham mar a b’ abhaist. Mar a bha ’m madadh ruadh ag ràdh ’n uair a bha e ’g itheadh mal na pioba, bha biadh ’us ceol againn. Chuir sinn an oidhche seachad le cridhealas ’s le fearas-chuideachd nach robh a chum coire dhuinn fhein no ’dhaoine eile. ’S a’ mhaduinn dh’ innis mo charaide dhomh gu’n d’ fhuair mi-fhein ’s e-fhein cuireadh bho dhuin-uasal air an robh e eolach gu dhol an oidhche sin gu cuirm mhoir a bha gu bhi aige. ’N uair thuig mi gu robh na h-uiread a dh’ uaislean gu bhi aig a’ chuirm cha robh mi idir deonach a dhol thuice. Bha ceud leth-sgeul agam, ach cha robh maith a bhi ris; a h-uile toll a dheainn-sa chuireadh esan tairig ann. “Coma leat a bhi ’gabhail mar leth-sgeul nach ’eil aodach freagarrach agad, bheir mi fhein dhuit iasad de chota biorach fhad ’sa bhios tu ann,” ars’ esan. A bhalaich ort! ’nuair a chuala mi gu feumainn cota biorach a chur orm thuirt mi nach rachainn ann a muigh no mach. Mise dhol le cota biorach iasaid gu m’ dhinneir a thigh duine choir sam bith eile! Cha rachainn ann ged a gheibhinn mart-laoigh air chluais. Cota biorach! A’ phiollaig shuarach! Is mi tha cinnteach nach ann aon chuid o’n phailteas no o’n onair a thainig a cheud fhear dhiubh. Bha gainne aodaich air an tailiear, no ghoid e pios dheth, ’s chuir e’n ire do’n duine bhochd dha’n ’d rinn e’n cota gu’m be’m fasan ur a bh’ann. Eudail s’ ann dha b’fhior. Ochan, b’iad na Gaidheil fhein luchd a chridhe mhoir riamh ’us roimhe. Chuireadh iad de’n chlo ann an aon fheileadh na dheanadh dusan cota biorach. Nuair a rachadh iad a chuideachd cha bu nar leo ’n calpannaibh cruinne, dumhaill a leigeil am fianuis an t-saoghail. Cha b’ionnan ’s na Goill dha’m b’eiginn riamh an casan caola fholach a’m brigis ’sa bhi mar ealta dhe na gobhlain-ghaoithe nam faigheadh iad cuireadh gu cuirm. So cuid dhe na smaointeanan a dh’eirich annam ’nuair a bha Niall a’ sparradh orm a dhol thun na cuirme. De th’agad air ach nach robh dhol bhuaithe agam. B’eiginn deanamh deiseil ’san cota-biorach a chur suas. A dh’innse na firinn, cha mhor nach bu cho maith leam an leine bhais a chur umam. Tha mi’n duil, mata, gu robh mi ’cheart cho luaineach inntinn a’m broinn a’ chota bhìoraich ’s a bha Ionah a’m broinn na muice mara. Dh’ fhalbh sinn mu dheireadh. Nuair a bha sinn suas cnoc-an-fheoir chunnaic sinn seann ’each ban Iain Ruaidh ri taobh an rathaid. San dol seachad dhuinn thog e ’cheann gu h-aigeannach, tharruinn e srann, ’s thog e earbull air a chruachainn ’s thug e ri bruthach! Ghrad sheas sinn ’s ioghnadh oirnn a leithid a sheana chreutair a ghabhail sgaoim gun fhios car son. “Cha’n eil mi idir a’ tuigsinn de ’chuir eagal air,” arsa Niall. “Tha mise ’ga thuigsinn gle mhath,” arsa mise. “Ghabh e clisgeadh ’nuair a chunnaic e mise le cota-biorach ’s le aid aird dhuibh, Cha robh fhios aige co leig a crodhadh mi.” Theab Niall a dhol as a ghiallan a’ gaireachdaich ’nuair a chuala e mo fhreagairt. ’Nuair a rainig sinn an Tigh-mor ’s a bhuail sinn an clag thainig duine grinn a dh’ fhosgladh an doruis—ministeir shaoil mise, oir bha stoc geal m’a amhaich. Sheol e steach sinn do sheomar mòr, aluinn, anns an robh airneis cho snasail ’s a dh’ fhoghnadh do’n Bhan-righ, “Tha mi cinnteach gu’m bi agad ri te dhe na mnaibh uaisle thoirt a stigh do’n t-seomar-bhiadhtachd; ach cuimhnich, thoir do cheart aire nach seas thu air a gun an am a bhi dol a stigh air neo ma sheasas ’s docha gu ’n tig e o’n bhann,” arsa Niall. Chuir so miapadh gun chiall orm ’s thuirt mi, “Ubh, uibh, nach iad tha lag, buileach mur urrainn doibh a dhol thun am bidh gun chuideachadh! Is fhearr lsamsa te aca thogail beo slan leam na dol an cunnart a gun a thoirt o’n chom.” “Cha ’n ’eil feum a bhi riut,” arsa Niall. Mu’n deach am facal as a bheul dh’ fhosgladh an dorus, ’s thoisich na h-uaislean air tighinn a stigh. Cha robh crathadh lamh ann, oir cha ’n ’eil e ’s an fhasan, ach bha mise feuchainn ri bhi cheart cho modhail ri Niall. Chromainn mo cheann ’s mo chom gu gasda do na h-uile thigeadh a stigh. Bha iad a’ dearrsadh le òr ’s le seudaibh luachmhor. Bha na daoin-uaisle gu leir ag amharc mar nach b’ olc ann an deise an fhithich. Bha cota-biorach air a h-uile fear, agus bha iad ag amharc leo n’a b’ fhearr na shoil mi riamh roimhe. Thug so misneach dhomh. Nuair a bhuaileadh clag na dinneireach thoisich fear-an-tighe ri caigneachadh nan uaislean, agus gu fortanach cha robh h-aon ann a chuirte ’n caiginn riumsa no ris fhein. Nuair a chunnaic mi so dh’fhairich mi mo chridhe ’ploscartaich leis a’ ghairdeachas. Shuidh sinn sios aig a’ chuirm, agus b’e sin a’ chuirm. Cha robh biadh a smaoinicheadh tu, no nach smaoicheadh tu idir, nach deach rud dheth chur thun a’ bhuird mu’n do sguir sinn. Bha h-uile seorsa dibhe a cheart cho pailt ris an uisge fhuar. Eadar a h-uile rud a bh’ ann theab mo cheann a dhol na bhoil. Bha mi leigeil orm gu’m b’ aithne dhomh a h-uile rud ged nach b’ aithne dhomh dad. Bha suil a mach agam gun fhios a dh’fhaicinn ’de bha na coimhearsnaich a’ deanamh. Mar so chaidh agam air faotainn car uine air aghaidh mar nach b’olc. Bha ’m biadh cho laidir ’s gu’m b’ eiginn domh sgur fada roimh chach; ach o nach robh diog agam de bheurla Lunnainn cha robh mi-fhein ’s an t-uasal og a bha [TD 227] [Vol. 4. No. 29. p. 3] feitheamh dha ’n bhòrd a’ tuigsinn a cheile. Nuair a theirinn-sa nach robh mi air son ni sam bith shaoileadh esan gur e bha mi ’g radh gu’n gabhainn rud. Mar so lion e na glaineachan le fion n’a bu trice na bu mhath leam Bha mi ’g am falamhachadh air son da aobhair; an toiseach, an duil gu’n cuireadh am fion air falbh gach saidealtas a bh’ orm. Mar a tha ’m bard ag radh:— “Ni e laidir fear lapach, Ni e dana fear gealtach,” agus mu dheireadh, bha bhi ’m beachd nach robh e modhail deur fhagail. Ach ’s i ’n deoch ris an abair iad “Seampain” a theab an dunaigh a chur orm. Lionadh glaine mhor dhomh, ’s ’nuair a dh’ òl mi i dh’ fhas mi gle chridheil. Cha robh cuimhne air cota-biorach, air modh, air onair, no air rud eile. Thainig taom fodham glaine a bha lan air mo bheulthaobh òl air slainte bean-an-tigh bho nach robh de thuigse an cach na rinn e. Ach mu ’n do tharr mi sid a dheanamh dh’ eirich i bog, balbh bho ’n bhord ’s thug i ’h-aghaidh air an dorus. Cha bu luaithe dh’ eirich ise na dh’ eirich cach. Thug fear roid thun an doruis g’ a fhosgladh. Ghradh bhuail e ’s a’ cheann agam gur ann a dh’ fhas bean-an-tighe ro thinn, agus sid mi thun an doruis cuideachd a dh’ fhaighneachd ’de bha cearr. Leis mar a sheall iad gu leir orm thuig mi gu’n d’ rinn mi cuis-mhagaidh dhiom fhein. Dh’ fhalbh na mnathan uaisle do’n t-seomar-choinneachaidh, ’s dh’ fhan sinne. Cha d’ rinn mi ni cearr fad na h-oidhche tuilleadh, ach bha mi car samhach ’s mi mothachadh annam fhein nach robh mi am measg chaich ach mar an fheannag am measg nan columan. Nuair a chaidh sinn far an robh na mnathan uaisle ’de chunnaic mi ach sgathan cho leathainn ri deagh gharadh-cail. A bhalaich ort, chunnaic mi mi-fhein ann bho bhonn gu bathais! Ach ma chunnaic ’s mi nach robh toilichte. Bha mi leis a’ chota-bhiorach mar bhodach-rocais! Thainig m’ fhuil a’ maodann ’s cha mhor nach do thuit mi far an robh mi. Am beagan uine dh’ fhalbh sinn dachaidh. Fad na slighe bha mise ’g iomchain air Niall, ’s Niall ag iomchain ormsa mu na thachair dhomh aig a’ chuirm. Cha d’ fhuair mi cadal ceart an oidhche sin, agus an cora phriobadh a fhuair mi ’s ann a’ bruadar mu’n chuirm ’s mu’n chota bha mi. Bhoidich mi nach cuirinn cota biorach mu m’ chroit fhad ’s bu bheo mi, ’s nach mo a rachainn gu cuirm air nach b’ aithne dhomh mi-fhein a ghluasad gu ceart. Is mi do charaid, IAIN. COMHRADH NAN IOLAIREAN. Tha e air a radh gu’n cuala ciobair an Comhradh a leanas eadar seann iolair agus a h-alach og, am feadh ’s a bha e ’toirt an aire air an treud: “Mo chlann,” ars’ an iolaire, “chunnaig sibh mi a’ tiolpadh nan cearc as na h-iolannan, a’ glacadh na maighich anns a’ phreas, agus a’ togail a’ mhinn o ’ionaltradh. Ach tha cuimhne agaibh blas ’fhaighainn air biadh moran is millse na iad sin—is minig a thug mi dhuibh cuirm de fheòl duine.” “Innis dhuinn,” arsa na h-iolairean oga, “c’ aite ’m faighear daoine, agus ciamar a dh’ aithnichear iad; oir is cinnteach gur i feoil an duine biadh nadurra na h-iolaire. Carson nach d’ thug thu duine slan a dh-ionnsaidh na nid ann ad spuirean?” “Tha e tuilleadh ’s dumhail, trom,” ars an iolaire; “an uair a dh’ amaiseas sinn air duine cha ’n urrainn duinn ach ’fheoil a stroichdeadh leinn agus na cnamhan ’fhagail as ar deigh.” “Ma tha an duine cho mor a’s sin,” ars’ an fheadhain oga, “ciamar a tha ’dol agad air a mharbhadh? Tha fiamh agus eagal agad roimh ’n mhadadh-alluidh agus am math-ghabhainn; ciod an cumhachd leis am bheil buaidh aig na h-iolairean thairis air duine? Am bheil an duine na’s laige na caora?” “Cha ’n ’eil againn,” fhreagair an iolaire, “neart an duine, agus tha mi air uairibh an teagamh a bheil a sheoltachd againn; agus b’ ann fior ainneamh a gheobhadh iolairean cothrom air ’fheoil itheadh mur biodh nadur, a dh’ orduich e chum ar feum, air buirbe iongantaich a chur ann, nach faca mi riamh ann an creutair air bith eile a tha ’chomhnuidh air an talamh. Gu tric coinnichidh da threud mhor de dhaoine, criothnaichidh an talamh leis an toirm a ni iad agus lionar an t-adhar le teine. An uair a chluinneas sibh toirm agus a chi sibh teine a’ ruith air aghaidh na talmhainn, greasaibh a dh’ionnsaidh an aite le uile luaths ur sgeith, oir bithibh cinnteach gu bheil daoine a’ sgrios a cheile; gheobh sibh an talamh dearg le fuil agus cuirnichte le closaichean marbha, agus moran diubh air an srachdadh agus air an gearradh air son nan iolairean.” “Ach an uair a mharbhas na daoine an cuid creiche,” ars’ na h-iolairean beaga, “carson nach ’eil iad ’g a itheadh? An uair a mharbhas madadh-alluidh caora, cha ’n fhuiling e do’n iolaire teachd g’a choir gus am bheil e fein air a shasuchadh—Nach e seorsa de mhadadh-alluidh a tha anns an duine?” “Is e an duine,” ars’ an iolaire, “an t-aon chreutair a mharbhas an ni sinn nach ith e, agus is i a’ bhuaidh so a tha ’g a fhagail ’n a charaid cho math do ’n chinneach againn-ne.” “Ma tha an duine mar so a’ marbhadh creiche dhuinn-ne agus ’g a fhagail ann ar rathad,” ars’ an iolaire og, “ciod am feum a tha againn air saothrachadh air ar son fein?” “Tha,” ars’ a mathair,” a chionn gu ’m fan an duine air uairibh re uine fhada samhach ’n a gharaidh. Innsidh na seann iolairean duibh cuin a tha sibh ri suil gheur a chumail air a ghluasadan. An uair a chi sibh buidhnean mor dhaoine a’ siubhal comhladh, faodaidh sibh a thuigsinn gu bheil iad ri seilg agus gu ’m faigh sibh ur diol de fheoil duine gu h-aithghearr.” “Ach stadaibh,” ars’ an iolaire og, “bu mhath leam fios fhaighinn air an aobhar air son am bheil daoine mar so a’ sgrios a cheile. Cha b’ urrainn domh fhein a mharbhadh an ni sinn nach ithinn.” “Mo leanabh,” ars’ a mathair, “an uair a bha mise og, b’ abhaist domh dol a thaghal air seann iolaire aig an robh a comhnuidh anns na creagan ud shuas. Bha i ’tighinn beo o bhliadhna gu bliadhna air mionaichean dhaoine. Thuirt i, mar a bha geugan na craoibh dharaich air am bualadh r’ a cheile leis an doininn a chum gu ’n tigeadh na mucan-fiathaich beo air na cnothan a thuiteadh dhiubh, gu’n robh daoine mar so le cumhachd do-thuigsinn air an sparradh an aghaidh a cheile a chum ’s gu ’m biodh na h-iolairean air am beathachadh. Agus tha an fheadhainn a tha ag itealaich os an cionn a’ toirt aire gu ’m bheil fear anns gach treud a tha toirt seolaidh do chach agus a tha a reir coslais a’ gabhail tlachd anabarrach anns a’ chasgradh oillteil. Ciod e a tha toirt coir do’n fhear so air inbh cho ard cha ’n fhios duinn; mar is bitheanta cha ’n è idir fear is momha no is luaithe na cach, ach tha e ’taisbeanadh leis cho dian a’s cho dichiollach ’s a tha e gur esan, gu sonruichte, Caraid nan iolairean.”—Ead. o’n Bheurla. [TD 228] [Vol. 4. No. 29. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 25, 1896. Cha’n eil teagamh nach bi iomadh aon anns an t-siorrachd so eadar dha chomhairle co leis a bhòtas e air latha taghaidh fir-pàrlamaid. Cluinnidh e aon duine ’g radh aon rud, agus duin’ eile ’g radh rud eile, agus cha bhi fhios aige cò tha ceart. ’Se dleasanas gach duine tha mar sin, e fèin a dheanamh fiosrach gun dàil a thaobh nan nithean a tha toirt aire ’n t-sluaigh air an àm so, agus an sin e thoirt a bhòt do’n fhear a tha chogais fein ag innse dha a’s airidh’ air a chur a stigh. Tha baile Peebles, ann an Ohio, an deigh riaghailt a dheanamh gu’m bi clag air a bhualadh aig ochd uairean na h-uile oidhche, agus an sin feumaidh gach gille a tha fo ochd bliadhn’ deug a dh’aois, agus gach nighean a tha fo shia bliadhn’ deug a dh’aois, na taighean a thoirt orra. Ma gheobhair a mach iad an deigh do’n chlag a bhi air a bhualadh, gun am pàrantan còmhla riutha, faodar an glacadh agus càin nach bi na’s lugha na dolair a chur orra. Tha sgeul air tighinn ag innse gu’n do chaochail Prionnsa Eanruic Bhattenburg air bord soitheach cogaidh Breatunnach faisg air cladach a niar Africa. Ghabh e fiabhrus a tha buailteach do dhaoine anns an dùthaich sin, agus dh’eug e Di-luain s’a chaidh. Bha e pòsda aig ban-phrionnsa Beatrice, an nighean a’s òige aig ban-righ Victoria. Fhuaireadh corp duine do’m b’ainm Daniel O’Learry ann an seann tigh a’ Halifacs, an deigh dha bhi marbh tri seachduinean. Cha’n eil fhios de thug a bhàs, oir bha’n corp air itheadh leis na rodain, no le coin, air dhòigh ’s nach b’ urrainnear a dheanamh a mach. Bu sheann saighdear e, còrr us tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, agus chog e anns a’ chogadh Ruiseanach, anns a’ Chrimea. Cha’n eil barail sam bith gu’m b’e tigh’n ri bheatha rinneadh, oir cha robh ann ach duine gle bhochd, agus cha bhiodh reusan aig duine sam bith air cur as da. O chionn àireamh bhliadhnaichean bha’n Fhraing agus Breatuinn gu math fuar ri chéile, ach a nise ’n deigh beagan fuatha bhi air a dhùsgadh eadar Breatuinn agus a Ghearmailt le obair an Iompaire, tha’n Fhraing us Breatuinn nan dlùth-chàirdean. Tha gamhlas mòr aig an Fhraing do’n Ghearmailt, agus na’n tigeadh aimhreit sam bith eadar Breatuinn ’sa Ghearmailt, bhiodh an Fhraing gun dàil air taobh Bhreatuinn. Tha mu choig ceud muillein dolair ($500,000,000) de theachd-a-steach aig Riaghladh Bhreatuinn ’sa bhliadhna, agus tha sin suim mhath thairis air na tha ri phàigheadh a mach. Cha’n eil dùthaich eile ann aig a bheil maoin cho mòr, no tha paigheadh a fiachan cho ri Breatuinn. Ged is beairteach na Stàitean, tha iad a’ dol ’sna fiachan a h-uile bliadhna. Tha pàrlamaid Nobha Scotia ’na suidhe, agus tha cùisean a’ dol air adhart gu rianail. Tha pàrlamaid Chanada na suidhe cuideachd, ach cha ’n eil gnothuichean buileach cho reidh. Tha daoine air gach taobh dhe’n tigh aig am bheil deagh cheann-labhairt, agus cha’n eil iad idir a’ cumail nan gibhtean sin an cleith. Tha coltas na’s sitheile a tigh ?n air an t-saoghal. Cha’n eil e idir coltach gu bheil cogadh gu bhi eadar Breatuinn ’sa Ghearmailt, no idir eadar Breatuinn ’sna Stàitean. Tha daoine a fas na’s glice na bha iad, agus cha tarruinn iad an claidheamh gus an fheudar dhaibh. Bha crith-thalmhainn mhor ann am Persia o chionn ghoirid. Bha dha no tri bhailtean air an leagail agus chaidh aona ceud deug duine a mharbhadh. A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig. Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano agus Bass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 229] [Vol. 4. No. 29. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha e air a radh gu bheil leth-cheud teaghlach á Eilean a Phrionnsa a’ dol air imrich gu Manitoba toiseach April. Tha am bàt-aiseig air sgur a ruith. Tha ’n acarsaid air reothadh, ach cha’n eil an deigh ach gle dhona fhathast. Cha’n eil i idir cho math ’s bu mhiaun leothasan aig am bheil na h-eich luatha. Cha’n eil deigh a’s fhiach air loch a Bhras d’Oir fhathast. Cha d’ fhuaireadh sgeul fhathast air an ochdnar dhaoine a dh’ fhag an soitheach a chaidh a bhristeadh air Canso, agus cha’n eil dòchas ’sam bith gu bheil iad beò. Tha na tha beò de chach anns an tigh-eìridinn ann a Halifax, agus tha iad uile ’dol gu math am feobhas. Thuit cnap marbh sneachd a Di-ciaduin, gu h-araid ré na h-oidhche. Bha an carbad-iaruinn a feuchainn ri faighinn tioimh ’n rathad eadar Louisbourg ’s am baile so bho sheachd uairean ’sa mhaduinn Dior-daoin gu tri uairean feasgar. Le rathad reidh roimhe theid aig air an t-astar a dheanamh ann an da uair. Chaidh fear Seumas Benoit, a mhuinntir Poulamond, ann an siorrachd Richmond, a bhàthadh le tuiteam bhar bòrd soithich a bha seòladh eadar Newfoundland us Barbadoes anns na h-Innsean a Niar. Thachair so air an t-siathamh latha deug de Dhesember s’a chaidh. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’aois. Chaidh soitheach iasgaich a bhualadh le soitheach-smùide ann an acarsaid Bhoston air an t-seachdain s’a chaid. Bha dha air fhichead air bòrd, agus chaidh naodhnar dhiubh sin a bhàthadh. Bhuineadh fear dhiubhsan a chailleadh do Cheticamp an siorrachd Inbhirnis. Chaidh an soitheach fodha mu dheich mionaidean an deigh dhi bhi air a bualadh. ’Se b’ ainm dhi “Fortuna.” Cha chluinnear guth air ni sam bith eile ’sna lathaichean so ach politics. Tha ’n da phairtidh a stri cho math ’s is urrainn daibh air son an t-siorrachd so a’ chosnadh, agus tha ’n cuid teachdairean nam fuil ’s nam falus a’ ruith o àite gu aite, a’ feuchainn ri daoine thoirt gu bhi air an taobh. Mar a thuirt sinn anns an aireamh mu dheireadh, tha Sir Tearlach Tupper air a thoirt a mach leis da conservatives agus toiseach na seachdain so shònruich na liberals an t-Onarach Deòrsa H. Murray air son ruith ’na aghaidh. Bha coinneamh mhor air na liberals Di-mairt, aig ’n do labhair Mr. Murray, Mr. Longley á Halifax, Mr. Mac Isaic á Antigonish, agus Mr, D. C. Friseal á Guysboro. Dior-daoin bha coinneamh dhe’n t-seòrsa cheudna aig na conservatives, aig ’n do labhair Sir Tearlach Tupper. Bha sluagh mor cruinn aig an da choinneamh, agus fhuair an luchd-labhairt uile deagh éisdeachd. Bha beagan troimhe-chéile ann aig a cheud té, ach cha da mhair e fada. Di-mairt s’a tighinn, latha ’n Ainmeachaidh, gheobh sinn uile cothrom air an dithis a tha ruith a chluinntinn a rithist ag agairt an còirichean air bhòtaichean an luchd-taghaidh. Ruig an stòr aig D. J. Domhuullach ma tha thu air son bathar math fhaighinn saor. Tha pris gach ni air a chur gle iosal. Chaidh factoridh àirneis a b’ fhiach mile dolair a losgadh gu làr ann an Alexandria, am Ontario ’sa mhaduinn Di-mairt. Cha robh ach da mhile dheug dolair de dh’ airgead urrais oirre. Fhuaireadh fear Uilleam Higgins marbh anns a’ choille faisg air Brookfield am Pictou air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e dh’ an choille a ghearradh connaidh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois, agus thatar a’ deanamh a mach gu’m b’e tinneas a’ chridhe a thug a bhàs. Bha pàrlamaid ùr air a taghadh ann am Manitoba air an t-seachdain s’a chaidh. Chuireadh Greenway agus a phàirtidh a stigh a rithist pailt na’s treasa na bha iad roimhe. Tha da fhichead cathair anns a phàrlamaid, agus dhiubh sin tha a dha dheug air fhichead air taobh a phriomhair. Ràinig Sir Tearlach Tupper Sidni feasgar Di-ciaduinn ann an carbad dha fhéin anns an d’ thainig e direach á Montreal. Bha e uair no dha na b’ anmoiche a’ ruigheachd na bha dùil ris; bha stoirm shneachd ann agus dh’ fheumadh an carbad falbh air a shocair. Bha moran ’ga choinneachadh aig na h-uile àite-stad, a cur fàilte air. Tha ar caraide Niall Domhnullach, ann am Baddeck, an deigh a dhol a cheannachd air a laimh féin. Tha’n stor aige mu choinneamh tigh-òsda Dhunlap. Tha mòran chàirdean aige, agus cha’n eil teagamh sam bith nach soirbhich leis. Tha e a’ cumail leabhraichean Gàilig mar a b’ àbhaist da, agus duine sam bith a tha air son leabhar fhaotainn bu chòir dha sgriobhadh uige. Chaidh tigh cluich ann an cearna de Ruisia a deas na theine an oidhche roimhe, agus chaidh àireamh mhor de dhaoine ’s de mhnathan a losgadh gu bàs. Bha an cleas a dol air adhart ’nuair a bhrist an teine mach, ruith an sluagh gu bhi aig an dorus, dhòmhlaich iad air muin a cheile, agus bha moran air am prannadh fo na casan. ’Nuair a chaidh an teine a chur as, chaidh leth-cheud corp a thoirt á làrach an taighe. Nuair a thainig am fios bha àireamh de dhaoine air chall, ’s bhatar a deanamh dheth gu robh iad air an losgadh cùomhla ri càch. BAS. Ann an Gleann-garaidh, cùl a Phòn Mhòir, air Di-sathairne, an ochdamh latha deug dhe’n mhios so, Mor, bantrach Eachuinn Mhic Fhioghain, tri fichead bliadhna sa seachd deug a dh’ aois. IANUARAIDH, 1896. 1 Di-ciaduin La na Bliadhn’ Uire. 2 Dior-daoin [1] A Ghrian ag éiridh, 7.38; a’ laidhe, 4.30. 3 Di-haoine 4 Di-sathairne Fhuaras America, 1492. 5 Di-Domhnaich Domhnaich an Taisbeanaidh. 6 Di-luain Seann Nollaig. 7 Di-mairt An Canteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 11.25, mad. 8 Di-ciaduin 9 Dior-daoin Bàs an III. Napoleon, 1873 10 Di-haoine A Ghrian ag eiridh 7.36; a’ laidhe 4.39. 11 Di-sathairne 12 Di-Domhnaich I. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 13 Di-luain 14 Di-mairt An Solus Ur, 6.19, feasgar. 15 Di-ciaduin Crunadh ban-righ Ealasaid 1559. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine Blar na h-Eaglaise Brice, 1746. 18 Di-sathairne 19 Di-Domhnaich II. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 20 Di-luain 21 Di-màirt A cheud phàrlamaid Shasunnach, 1269. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin A cheud chairteal dhe’n t-Solus, 10.42, feasgar. 24 Di-haoine 25 Di-sathairne 26 Di-Domhnaich III. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 27 Di-luain 28 Di-màirt 29 Di-ciaduin Bas an III. Deòrsa, 1820. 30 Dior-daoin An Solus Lan, 4.55, mad. 31 Di-haoine 30) Bas Priu’sa Tearlach 1788 Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 230] [Vol. 4. No. 29. p. 6] (Air a leantuinn bho’n 1 taobh.) an ceudna a tha ’gluasad nan cruinn mheall soillseach anns na speuraibh. Tha’n dluth-tharruingeachd so laidir no lag, a reir meud agus astar nan nithe anns am bheil an cumhachd so air a shuidheachadh. Air do’n talamh so, uime sin, a bhi ’na mheall anabarrach mor, tha e a’ tarruing gach mill eile a ta am fagus da, ’ga ionnsaidh fein. Mar so tilgeadh neach clach suas os a cheann anns na speuraibh agus tuitidh i gu h-ealamh a nuas dh’ ionnsaidh na talmhainn far an luidh i gun charuchadh. Agus carson? Tha, a chionn gu’m bheil an talamh a dluth-tharruing na cloiche d’a ionnsaidh fein! Tha fios againn nach soirbh le moran so a thuigsinn, oir their iad gu’m bheil a’ chlach a’ tuiteam le ’cudthrom fein; ach nach ’eil an cudthrom ceudna aice gu dol suas anns na speuraibh, no gu gluasad air slighe sam bith eile? Gun teagamh sam bith dheanadh i sin mur biodh an talamh ’ga dluth-tharruing an nuas d’a ionnsaidh fein. Is ann, uime sin, trid na dluth-tharruing so, tha na reulta agus a’ ghrian a’ buanachadh ’nan aitibh, air an slighibh fein anns na neamhaibh. Tha Dia “a’ crochadh na talmhainn,” agus gach reult eile air “neoni,” agus tha iad a buanachadh ’nan cuairtibh fein trid na dluth-tharruing a ta annta agus eatorra fein. Air do’n ghrein a bhi mor seach na reultan, tha i ’g an tarruing ’ga h-ionnsaidh fein, ach tha iadsan, mar an ceudna, a’ tarruing aon a cheile, agus air an tarruing iad fein le reultaibh eile mu’n cuairt doibh; air chor ’s gu’m bheil a ghrian agus na reulta mar so a’ comh-chothromachadh a cheile. Tha iad air an socrachadh ’nan dluth-tharruing, mar gu’m biodh iad air meidh, air sheol ’s nach toir a h-aon buaidh air an aon eile! Is do-thuigsinn an gliocas a shuidhich iad air an doigh so, ais chor is gu ’m bheil iad cosmhuil ri cuidhleachaibh a’ siubhal gu riaghailteach, agus ag oibreachadh gu h-innleachdach an uair ghluaisear iad le uisge, teine, no toit. Mar so tha na reultan agus a’ ghrian air a suidheachadh aig a’ leithid a dh’astar o cheile ’s gu’m bheil iad a’ comh-chothromachadh a cheile le eagnuidheachd mhiorbhuilich. Air doibh a bhi mar so air an socrachadh thug Dia orra gluasad le focal a chumhachd, agus tha iad, uime sin, a’ gluasad le riaghailt agus laghannaibh a tha gu neo-chriochnuichte ni’s eagnuidh n’an obar-chuidhleachan a’s grinne a rinneadh riamh le lamhaibh innleachdach dhaoine. Tha e air ’innseadh dhuinn ann an leabhar Iosua gu’n do stad a’ ghrian air iarrtas Dhe, ag radh,—“A ghrian air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Ataloin. Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach,” (Iosua x. 12.) A ris, ann an Dara Leabhar nan Righ, tha ri ’fhaicinn, an uair a rinn Heseciah urnuigh gu’n d’thug Dia comharanh dha le toirt air a ghrein dol air a h-ais deich ceumanna air uaireadair-greine Ahais (II. Righ. xx. 11.) Chuir Dia an so an toiseach stad air an talamh ’na chuairt laitheil, agus a ris, chuir e air ais ’na shlighe e deich ceumanna, nithe a ta ’foillseachadh air mhodh miorbhuileach, cumhachd an Tighearna Iehobhaidh! Ach ged a tha e air a radh anns na h-earrannaibh so dhe’n Sgriobtur, gu’n do chuireadh stad air a ghrein agus air a ghealaich, gidheadh, cha’n eil sinn gu sin a thuigsinn anns an t-seadh litreachail; oir cha’n ann air a’ ghrein agus air a’ ghealaich a chuireadh stad, ach air an talamh ’na chuairt air a mhul fein, agus air a’ ghealaich ’na cuairt mu’n talamh Dh’innseadh ann an aite eile gu’m bheil a ghrian neo-ghluasadach, agus gu’m bheil an talamh ag iathadh ma timchioll aon uair ’sa bhliadhna, agus a cur deth air a mhul fein gach ceithir uairean fichead, agus mar sin a’ deanamh latha agus oidhche. A nis, an uair a ta e air a radh gu’n do stad a ghrian air Gibeon, tha sin a ciallachadh gu’n do chuireadh stad air air gluasad na talmhainn air a mhul fein; agus a thaobh a’ chomharaidh a thugadh do Heseciah, cha’n i a’ghrian a chuireadh air a h-ais, ach an talamh, agus an uair a rinneadh sin, b’éigin do fhaileas na gréine dol air ais deich ceumanna air an uaireadair-greine. Tha na Sgriobtuirean, mar a’s trice a’ cur nithe an céill ann am briathraibh cumanta, agus a’ gnàthachadh an dòigh-labhairt a’s fhearr a thuigear. Ged a dh’innseadh Maois far am bheil e ’toirt cunntais air cruthachadh nan cruinn-mheall soillseach neamhaidh, gu’m bheil a’ ghrian neo-ghluasadach, agus gu’m bheil an talamh ’ga cuairteachadh, cha chreideadh moran e’ ged bha e a cur an ceill na firinn, agus air an aobhar sin, tha e air a radh anns na Sgriobturabh gu’m bheil a’ ghrian ag eiridh agus a’ luidhe, a chionn gur e sin doigh labhairt choitchionn dhaoine. Chum an dluth-tharruingeachd so air am bheil sinn a’ labhairt a dheanamh ni’s soilleire fathast, bheir sinn eiseimpleir m’a timchioll o na seolaibh-mara. Air do’n ghealaich a bhi ni’s teinne air an talamh na na reultan agus a’ ghrian, tha neart na dluth-tharruing aice air a mhothuchadh gu soilleir. Tha i a’ tarruing, uime sin, d’a h-ionnsaidh an aite sin dhe’n talamh a bhios a ghnath f’a comhair. Air do’n talamh a bhi ’an stabh a tha cruaidh agus daingeann cha druigh a cumhachd co mor air; ach air do na h-uisgeachaibh a bhi ni’s fhusa a ghluasad, tha iad gu mor air an luasgadh le dluth-tharruing na gealaich. Tha, uime sin, na h-aitean dhe’n fhairge a tha direach fo chomhair na gealaich air an tarruing le a neart d’a n-ionnsaidh fein, air chor is gu’m bheil na h-uisgeachan ag eiridh suas ni’s airde na bha iad, agus an sin their sinn gu’m bheil muir-lan ann; ach an uair a theid a ghealach seachad air an aite shonraichte sin, tuitidh na h-uisgeachan air an ais a ris gus am bi muir-tragha ann. Air an doigh cheudna, tha cumhachd aig a’ ghrein os ceann uisgeachan na talmhainn a chithear gu soilleir aig amannaibh sonraichte. Tha a’ ghealach a’ gabhail mies gu dol timchioll air an talamh agus air an taobh a stigh dhe’n ùine sin, tha i da uair air an aon ruith ris a’ ghrein; ’se sin, an uair a ta i lan agus a’ caochladh; agus air an aobhar sin, air do dhluth-tharruing na greine agus na gealaich a bhi dol ann an co’-bhionn r’a cheile, agus a tarruing nan uisgeachan air an aon rathad, tha an cumhachd air an doigh so ni’s treasa, na’n uair a bhitheas iad a’ tarruing an aghaidh a’ cheile. Air an aohhar sin, ma ta, tha reothairt agus contraigh ’gar fiosrachadh gach uile cheithir la deug. Tha’n lan-mara teann air uair ni’s fadalaich gach latha, a chionn, air do’n ghealaich a bhi ’siubhal ’na cearcall fein, gu’n gabh an talamh an uine sin chum an t-aite ceudna anns am bheil muir-lan an diugh, a thoirt fa chomhair na gealaich a maireach. Tha’n lan-mara ni’s airde anns an earrach agus anns an fhogharadh na aig uair air bith eile dhe’n bhliadhna; do bhrigh, an sin, gu’m bheil dluth-tharruing na greine agus na gealaich ro laidir a thaobh nan aitean d’a chuairt anns am bheil an talamh anns na h-amannaibh sin dhe’n bhliadhna. [TD 231] [Vol. 4. No. 29. p. 7] Bha gobha uair ann an cearna de dh’Alba, a bha na dhuine gasda air gach dòigh, ach bha e car trom air an deoch. Aon latha thachair am ministeir air, agus thug e garbh achasan dha air son a chuid misgireachd. “Nach uamhasach dhuit fhéin an eiseimpleir a tha thu toirt do d’ dhithis mhac, a Rob; ciamar a tha thu’n dùil s dh’fhasas iad suas, ’nuair a tha thu fhéin a caitheamh do bheatha air a leithid so a dhòigh? “Ma ta, a mhinisteir,” arsa Rob, “Tha mi’n dòchas gu’n dean mi dhiubh rud ni’s fhearr na ’s urrainn dhuibhse dheanamh dhe ur mic féin.” “Am bheil gu dearbh?” arsa ’m ministeir, “ciamar a tha thu dol a dheanamh sin?” “Ma ta le’r cead,” arsa Rob, “tha mi’n dòchas nuair a thig gach fear dhiubh gu ire duine, gu’m faodar a radh m’a dheobhainn gur h-e duine ’s fhearr na ’athair, agus sin rud, tha mi’n dochas, nach gabh e radh mu’r cuid mhac-sa.” AN LAGH.—Chaidh fheòrach de sheann fhear-lagha a bha air sgur a bhi tagradh chàsan aig na cùirtean, “Ciod i do bharail air an lagh?” “Ma ta,” ars esan, “so mo bharails’ air: nan tigeadh duine a dh’iarraidh mo chòta orm, ’se bagradh mur toirinn dha e, gu’n cuireadh e ’san lagh mi, thilginn g’a ionnsuidh e, air eagal nan rachainn a dhion mo chòta gu’n caillinn mo pheiteag cuide ris. “A mhàthair,” arsa gille beag, “an robh bràthair beag riamh agamsa a thuit anns an loch ud thall?” “Cha robh,” arsa mhàthair, “carson a tha a feòrach? Arsa ’n gille beag, “bha mi thall aig an loch an diugh, ’s thug mi sùil sios ann, agus chunnaic mi ann an sin gille beag a bha gle choltach rium fhein, agus bha mi smaoineachadh gu ’m b’e bràthair dhomh a bh’ann.” Anns a’ bhliadhna 1894. thainig dlùth air coig mile duine ri’m beatha fàin anns na Stàitean, agus an uiridh, chuir gle fhaisg air sia mile crioch orra fhéin. Rinneadh naodh mile ’s ochd ceud murt ’sna Staitean ’sa bhliadhna 1894, agus an uiridh deich mile ’s coig ceud. Na’n triallar slighe ’ghliocais leat, Coig riaghailtean lean gu dluth; Feuch c’uin—co ris—co uime,—’scait, A’s ciamar bhruidhneas tu. Cha fada ’sa cheann ’sa bha Fionn sna casan. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harington. SIDNI, C. B. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 232] [Vol. 4. No. 29. p. 8] A CHOILLE GHRUAMACH; ORAN DO DH-AMERICA. FONN:—“Coire Cheathaich.” Gu bheil mi ’m ònrachd ’s a choille ghruamaich, Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn: Fhuair mi ’n t-àite so ’n aghaidh nàdair Gu’n thréig gach tàlanta ’bha nam cheann: Cha dean mi òran a chur air dòigh ann. Nuair ’ni mi tòiseachadh bidh mi trom: Chaill mi ’Ghàidhlig seach mar a b’ àbhaist dhomh Nuair a bha mi ’s an dùthaich thall. Cha’n fhaigh mi m’ inntinn leam ann an òrdagh, Ged bha mi eòlach air deanamh rann; ’S e ’mheudaich bròn dhomh ’s a lùghdaich sòlas Gun duine còmhl’ rium a ni rium cainnt. Gach latha ’s oidhche ’s gach car a ni mi Gum bi mi cuimhneachadh anns gach àm An tìr a dh’ fhàg mi tha ’n taic an t-sàile, Ged tha mi ’n dràst ann am bràighe ghleann. Chan ioghnadh dhomhsa ged ’tha mi brònach, S ann tha mo chòmhnuidh air cùl nam beann, Am meadhon fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh Gu’n dad a’s feàrr na buntàta lom. Mu’n dean m’ àiteach ’s mu’n tog mi bàrr ann ’S a choille ghàbhaidh ’chur às a bonn Le neart mo ghàirdein, gu’m bi mi sàraichte Is treis air fàilinn mu’m fàs a’ chlann. ’Si so an dùthaich ’s a bheil an cruadal Gun fhios do’n t-sluagh tha tigh’nn a nall, Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh A rinn le’n tuairisgeul ar toirt ann. Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh, Cha dean i suas iad ’s cha’n ioghnadh leam, ’S gach mallachd truaghain a bhios ’gan ruagadh Bho ’n chaidh am fuadach a chur fo ’n ceann Bidh gealladh làidir ga thoirt an tráth sin, Bidh cliù an àie ga chur am meud; Bidh iad a gràitinn gu bheil ’ur càirdean Gu sona saibhir gun dad a dh’ éis: Gach naidheachd mheallta ga toirt gu ’r n-ionnsaidh-sa Feuch an sanntaich sibh dol nan déidh; Ma thig sibh sàbhailt nuair chi sibh iadsan Cha’n fheàrr na stàtachan na sibh féin. Nuair théid na dròbhairean sin ’gur n-iarraidh, ’S ann leis na briagan a ni iad feum, Gun fhacal firinna bhi ga innse ’S an cridhe ’dìteadh na their am beul: Ri cur am fiachaibh gu bheil s an tìr so Gach ni a’s prìseile tha fo ’n ghréin: Nuair thig sibh innte gur beag a chi sibh Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur. Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd Bidh sneachda ’dlùthadh ri cùl nan geug, ’S gu domhain dùmhail dol thar na glùine, ’S ge maith an triùbhsair cha dean i feum, Gun stocain dhùbhailt’ ’s a mhocais chlùdaich ’Bhios air a dùnadh gu dlùth le éill; B’e ur’ fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach Mar chaidh a rùsgadh de ’n bhrùidh an dé. Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdaich Gu’m faigh mi reòta mo shròn ’s mo bheul; Le gaoth a tuath a bhios neamhail fuaraidh Gu’m bi mo-chluasan an cunnart geur. Tha ’n reothadh fuath’sach, cha seas an tuagh ris. Gu’m mill e chruaidh ged a bha i geur; Mur toir mi blàths d’i gu’m brist an stàilinn, ’S gun dol do ’n cheàrdaich cha gheàrr i beum. Nuair thig an sàmhradh ’s a miosa céitein Bidh teas na gréine gam fhàgail fann; Gu’n cuir i spéirid ’s a h-uile creutair A bhios fo éislean air feadh na toll: Na mathain bhéisteil gu ’n dean iad èirigh Dhol feadh an treud ’s gur a mòr an call; ’S a chuileag inneach gu socach, puinsiont’ Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn. Gu’n dean i m’ aodann gu h-olc a chaobadh, Cha’n fhaic mi ’n saoghal ’s ann ’bhios mi dall; Gu’n at mo shùilean le neart a cunngaidh, Ro-ghuineach druidteach tha sùgh a teang’, Cha’n fhaigh mi àireamh dhuibh ann an dànachd Gach beathach gràineil a thogas ceann, ’S cho liugha plàigh ann ’s a bh’ air righ Phàraoh Airson nan tràillean nuair ’bhàth e’n camp’. Gur h-iomadh caochladh ’tigh’nn air an t-saoghal ’S ro-bheag a shaoil mi nuair bha mi thall; Bu bheachd dhomh nuair sin mu’n d’rinn mi gluasad Gu’m fasainn uasal nuair ’thighinn ann, An car a fhuair mi cha b’ ann gu m’ bhuannachd, Tigh’nn thar a chuain air a chuairt bha meallt’ Gu tir nan craobh anns nach ’eil an t-saorsainn Gun mhart gun chaora ’s mi dh’ aodach gann. Gur h-iomadh ceum anns am bi mi ’n déis làimh Mu’n dean mi saibhir mo theachd-an-tir; Bidh m’ obair éigneach mu’n doir mi feum aisd’ ’S mu’n dean ni réiteach airson a chrionn: Cur sgonn nan teintean air muin a chéile Gu’n dlasaich féithean a bha nam dhruim, ’S a h-uile ball diom cho dubh a sealltainn, Bidh mi gam shamhlachadh ris an t-suip. Ge mòr an seanachas a bh’ aca ’n Albainn Tha ’chùis a dearbhadh nach robh e fior: Na dollair ghorma cha’n fhaic mi falbh iad, Ged bha iad ainmeil a bhi ’s an tir. Ma nìtear bargain cha’n fhaighear airgiod, Ged ’s éigin ainmeachadh anns a phrìs, Ma gheibhear cùnnradh air feadh nam bùithean Gu’m paighear null e le flùr no im. (Ri leantuinn.) Cho geal ri sneachd na h-aon oidhche. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 233] [Vol. 4. No. 30. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 1, 1896. No. 30. Litir a Alba. “Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach; Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh.” MO BHALACH GASDA.—Buaidh is piseach ort. Tha mi a’ faicinn gu’n do chuir thu mo cheud litir anns a’ MHAC-TALLA. Thug e misneach dhomh fhaicinn gu robh uiread de mheas agad oirre ’s gu ’n tug thu àite dhi ann am fìor thoiseach a’ phàipeir. Tha aon sgeul ann am beul gach neach aig an àm, agus is a sin, an tuairsgeul cogaidh a tha air feadh ceithir Ranna Ruadha an t-saoghail. Tha an Turcach Mòr cho rag ris a’ Mhac mollachd. Cha ’n aill leis laghannan cearta ’shuidheachadh am measg nan daoine a tha fo a riaghladh ann an Armenia. Ged a tha rioghhachdan na Roinn Eorpa air cruinneacadh timchioll air mar gu faiceadh tu ealta dhe na fithich a’ cruinneachadh timchioll air seann each marbh, cha ’n aill leis a’ bheag a dh’ oidhirp a thoirt air còir is ceart a chumail ris na daoine truagha a tha ’fulang ainneirt anns an rioghachd aige. Ach theid mise am bannadh nach bi saoghal fada aige mur gabh e comhairle. Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, “Ge b’ e nach gabh comhairle gabhaidh e càm-lorg.” Tha na Geancaich agaibh fhein thall an America air a dhol gu bragadaich ’s gu braighlich gun fhios c’ ar son. Ciod e an gnothach a tha acasan a dhol anns an eadraiginn eadar Breatunn agus Bhenesuela? Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, “Bidh dòrn aig fear na h-eadraiginn.” B’ fhearr dhaibh an aire a thoirt air an gnothach fhein. “Am fear a bhios ’na thàmh, cuiridh e na cait ’s an teine.” Chuir an troimh-a-cheile a thòisich o chionn ghoirid ann an Ceann-a-deas Africa as an t-sealladh oirnn ach gann, a h-uile tuairsgeal cogaidh a bh’ anns an t-saoghal. Tha Luchd-Riaghlaidh Bhreatuinn anabarrach fada an aghaidh an ar-a-mach a rinn na daoine a bhuineadh dhi ann an Africa. Nochd iad so cho luath ’sa chualas mar a bha gu tachairt. Rinn Iompaire na Gearmailt—ogha do’n Bhanrigh—gnothach anabarrach gòrach an uair a chuir e fios gu Cruger, àrd-fhear-riaghlaidh nam Baoghairean, (Boers) gu robh e toilichte gu’n do bhuadhaich na Baoghairean air na Breatunnaich. Cha’n ’eil ach gann duine eadar Taigh Iain Ghrot, an Gallthaobh, agus caolas na Frainge nach eil glé dhiùmbach do dh’ Iompaire na Gearmailt. B’ olc bu chòir dha teannadh ri brosnachadh nan nàimhdean an aghaidh a sheanamhar. A nis, ged a bha iomadh cinneach a’ bagradh air rìoghachd Bhreatuinn, cha robh an leoghann mhor Bhreatunnach a’ leigeil oirre gu robh i’ cluinntinn diog. Bha i mar gu ’m biodh i ’na cadal. Ach o chionn trì latha thog i colg oirre. Tha i a’ nochdadh a nis do na h-uile cinneach fo ’n ghrein, gur e an gliocas gun a bhith ’tarruinn a feusaig, agus a’ feuchainn ri bhith toinneamh a h-earbuill. Ma dh’s fhanas iad modhail cha chuir i dragh no tuairgneadh air cinneach sam bith. Ach mur fan, faodaidh iad a bhith cinnteach gu ’n cuir i a h-uile h-aon a chuireas dragh oirre fo a spògan glé aithghearr. Tha dlùth air sia ceud long-chogaidh aig Breatunn. Tha iad so a’ giulan dlùth air seachd mìle gunna mòr. Tha feadhainn de na gunnachan mòra so anns am bheil córr is ceithir fichead tunna de chudtrom. Mur a fan Clebheland aige fhein cuiridh Breatunn a h-uile soitheach beag is mòr a th’ aig na Geancaich do ’n ghrunnd. Nach gòrach an gnothach do Chlebheland teannadh ri cogadh ri Breatunn air son beagan de bhogaichean gun fheum a th’ anns a’ chrich eadar Bhenesuela agus Guidhana? Ach cha ’n ’eil sinn a’ creidsinn gu ’m bi cogadh eadar sinn fhein ’s na h-Americanaich idir. Gun teagamh sam bith ma dh’ fheumas sinn a dhol a chogadh théid sinn ann. Ach cha ’n ’eil sinn ag iarraidh a leithid. Is fhearr einn càirdeas is comunn is gaol a bhith eadrainn, mar a bha eadrainn o chionn iomadh bliadhna. Tha sinn a’ creidsinn gu ’n gabh aon aimhreit a tha eadrainn réiteachadh gun boinne fala a dhòrtadh. Faodaidh mi a ràdh gu bheil corr is deich ceud mìle saighdear aig Breatunn. Tha h-uile fear de ’n àireamh mhòir so suidhichte, ma thachras cogadh, gu’m bi buaidh no bàs aige. Gu ’n gleidheadh Dia sinn fhein agus gach sluagh eile o aimhreit ’s o chogadh. Is mi do charaid. BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha nan trì righrean, 1896. BINN NEONACH.—Bha duine nach b’ urrainn aona chuid leughadh no sgriobhadh air a thoirt gu cùirt ann an cearna de na Stàitean air son coire eigin nach robh ro chudthromach, agus fhuaireadh ciontach e. Chuir am breitheamh dh’ an phriosan e gus an rachadh aige air leughadh agus sgriobhadh a dheanamh. Chaidh priosanach eile, aig an robh deagh ionnsachadh, a chur a stigh còmhla ris air chumha gu’n faigheadh e ma sgaoil cho luath ’sa theagaisgeadh e leughadh us sgriobhadh dha. An ceann thri seachdainean, bha ’n dithis aca air an leigeadh as, ’s iad an deigh a’ bhinn a choi-lionadh. Tha fear-pàrlamaid ann an Lunnuinn an dràsda a tha ceithir fichead bliadhna ’sa còig deug a dh’aois. Tha e ’sa phàrlamaid a nise tri fichead bliadhna ’sa dha, agus cha do chuireadh a mach e aon uair o’n fhuair e stigh an toiseach. Bha e air a chur do’n phàrlamaid á Volverhampton, agus se ’s ainm dha Tearlach P. Williers. Bha fear ann roimhe a bha ’sa phàrlamaid fad thri fichead bliadhna. Bu Chuimreach e do’m b’ainm Talbot, agus bha e anabarrach beairteach. [TD 234] [Vol. 4. No. 30. p. 2] COMHRADH NAN CNOC. FIONNLADH PIOBAIRE, AGUS PARA MOR, AN OIDHCHE MU’N D’FHAG IAD GLASCHU. FIONN.—So! so! a Pharuig, tha’n t-am dhuinn cadal. Tha Mhaighdean-Mhorairneach a’ falbh gu math moch. Chunnaic mi fhein an sgiobair. PAR—Gruagach mo ghraidh cha b’e sin ach a h-abhaist; te na moch eiridh! Ach ged a ghluaiseadh i fhein ’sa h-upraid m’am blais an an t-eun an t-uisge ’se Paruig nach biodh diombach; is fhad an oidhche gu latha gus am fag mi ’n t-uamhas aite so. FIONN.—Cha’n uilear dhuinn a bhi air ar cois aig ceud ghairm a’ choilich. PAR.—Sin a’ ghairm shurdail nach cuir air do chois ’san aite so thu. B’e bhi cur an uain do charn an t-sionnaich, coileach a chur do Ghlaschu. Ged is iomadh cailleach mhor, laidir a tha ’san duthaich againn, a’ trusadh uibhean a’s chearcan, airson an cur do Ghlaschu, cha chuala mi goc circe, gun ghuth air gairm coilich o’n thainig mi ann. Ach nach coma co dhiubh, fhad ’sa tha’n duine truagh ud a’ muigh air a’ chabhsair, a’ spaisdearachd ’sa’ glaodhaich fad na h-oidhche. An cluinn thu’n drast e? Gu dearbh a fhleasgaich, mar thuirt am mada-ruadh ris an fheannaig, “Cha toir do cheol á cuideachd thu.” Cha’n eil do ghuth ach reasgach, agus cha nar dhuit, cha’n iongantach thu bhi sgith de’n chabhsair; agus gu dearbh tha mi fein ann. Tha mi co bruite sgith an nochd fein ’s ’s ged a bhithinn a’ siubhal a’ mhonaidh fad na seachdainn. FIONN.—Cha d’rinn mi fhein moran coiseachd an diugh; bha eagal orm gu’n caillinn mo rathad, agus cha do leig mi’n t-each-odhar as mo shealladh fad an latha, am fad ’sa bha mi ’ceannach trealaich bheaga do’n teaghlach. PAR.—Cha b’e sin domhs’ e. Cha deachaidh stad air mo chois. Cha bhi mi’n Glaschu an da la so a rithist; agus thar leam gu’m faicinn na b’fhiach fhaicinn ann. An saol thu, a mhic chridhe, nach robh mis’ an diugh air tòrradh. Bha mi’n sud a’ staraineachd o aite gu h-aite gus an d’fhuair mi mi fein ann an luchairtibh a’ Cholaisde, aite cianail, samhach, far nach do thachair duine orm, gus na bhual an t-uaireadair mor, agus an sin thoisich dranndan de chlag beag a bha fodha. Ann am prioba na sul, bhruchd sgaoth a mach an sud ’san so de sgoilearan le’n tonnagan ruadha, mar gu’m faiceadh tu tom sheangan anns an sathadh tu do bhata. Tachraidh na daoine ged nach tachair na cnuic. Co ’thainig orm an so ach Calum Og. Mac an athar. ’Se rinn an caoimhneas rium. Leig e ris domh iongantais an aite. Chunnaic mi’n sud barrachd leabhraichean na shaoil leam a bhi air aghaidh an t-saoghail. An uair a rainig sinn an t-sraid, faicear an torradh a’ tighinn a nuas ’na aon mheall dubh; an carbad mor fein anns an robh an giulan mar gu’m biodh cnap soithich ann ’sa beul foidhpe; ach an uair a theann e oirnn ’sann an sin a bha’n riomhadh! Bha an carbad fein air a chomhdachadh le sar eudach dubh; oir de shioda geal mu thimchioll; bara-bhidein ard air gach oisinn, le cnap òir os an cionn; stiallan fada de riobainean sioda crochta riutho; agus mar shuaicheantas broin agus bais, dealbhan claigeann agus chnamh air an tarruing air fiamh an òir air gach taobh dheth. Agus cha’n fhoghnadh sin, marbhaisg orra! ach na h-eich fein, na bruidean bochda ’s mairg a dheanadh amadain diubh—bha iad an sud agur brat air a’ h-uile fear dhiubh, agus bad de dh’itean dubha ’na cheann. An saoil thu an robh ’ga chaoidh ach aon seisear. Bha iad so a’ falbh roi’n ghiulan; curraichdean maola, dubha air an sgrogadh mu mhullach an cinn; sgonn de bhata goirid ann an laimh gach fir dhiubh; agus iad a’ coiseachd na daoine truagha, gu tursach, trom, le’n suilibh ri lar mar gu’m biodh an cridhe gu sgaineadh. “Mo thruaighe,” arsa mise ri Calum, “’s iad so cairdean an fhir nach maireann.” “Cia aìr bith” ars’ esan “mar tha sin, tha latha math acasan an diugh, air a shailtibh. Ach, leanamaid iad do’n chladh agus chi thu’n sin deireadh a’ ghnothaich.” FIONN.—An ann do’n eaglais mhoir a chaidh iad? Nach bochd nach robh mise leat, ’s gun do gheall mi do Lach ann nan ceistean dol ’ga h-amharc. PAR.—Mata, is fiach i a faicinn: ach b’e sud ait’ an uamhais. An eaglais fein na h-aon mheall mor, glas; uamhachan eagalach le dorsaibh meirgeach, iaruinn a stigh foidhpe, agus iad lan, mar dh’innse dhomhoa, de dhaoine marbha. Bha’n cladh so co farsuing ri dail a’ gharbhain, agus leachdan lighe co dluth air a cheile ’s gur gann a gheibh an iunndagach fein a ceann a thogail ’nam measg. An saoil thu ged a b’e’n latha geal a bh’ann, nach robh sgath orm; bha fuain co fas aig a’ h-uile ni. Ma dheireadh ’s ma dhiu, thainig an torradh; ma bha e fada gu’n tighinn cha robh e fada dol seachad. Bha’n uaigh reidh, glan, agus an t-urram dhasan air cul sluasaid a bha ’cur a stigh na h-urach. Is fad o’n chuala mi, “So mar theid na h-eich do’n mhuileann, sud mar thig iad as.” Air falbh ghabh a’ h-uile carbad diubh sios an t-sraid, ’nan deann ruith. Chitheadh tu ’n carbad mor fein, ’na ghabard luidneach, mar bha e, ’san turamanaich sios le cach; na claiginn agus na cnamhan mar gu’n leumadh iad anns na speuraibh; agus cha’n e sin uile, ach ’uchd nan curraichdean maola, a ghraist! bu mhis’ am burraidh bochd, a bha ’gabhail truais diubh; co a bh’annta ach luchd-tuarasdail. Co ach iadsan! ’nan deann ruith a sios an t-sraid, co aoibhinn, aighearach ’s ged a bhiodh iad air banais. Stad thusa gus am faic mise Lachann nan Ceistean; tha mi air mo bhodhradh leis; cha chluinnear aige ach am fasan Gallda, biodh daoine beo no marbh; ach ma tha e’n dan domhs’ ’fhaicinn, cuiridh mi ’ghlas-ghuib air an deigh na chunnaic mi’n diugh. FIONN.—Tha Lachann gle fhada ’sa’ bheachd sin, agus cha’n fheudar ’aicheadh nach robh moran eireachdais ’san doigh torraidh a dh’ainmich thu. PAR.—Eireachdas, an d’thubhairt thu? Gnothach co mi-chiatach ’sa chunnaic mi riamh; an saoil thu n’am bitheamaid a’ dol leat fein do’n Chill, am b’eireachdais e a chuireadh onoir ort, brat-mairbh a chur air an each bhan agad, agus bad fraoich, no dos do itean dubha a chur ’na mhuinge? Tog dheth. FIONN.—Tha na cleachdan sin tlachdmhor, no mi-chiatach a reir gnath na duthcha ’san cleachdar iad. Chunnaic mise latha anns nach bitheadh torradh eireachdail ’nar duthaich fhein gun cheol na pioba; ni ma dh’fhaoidte, ’chuireadh uiread sgreimh air Gall no air Sasunnach, ’sa chuir na chunnaic thus’ an-diugh, ort fein. PAR.—Is e sin iadsan a bhi gun tuigse; agus a bhi gun chridhe. Tha ’phiob a nis a’ dol á cleachdadh air na co-dhailibh sin, agus theagamh gu bheil sin co maith; ach cha [TD 235] [Vol. 4. No. 30. p. 3] chuala mi riamh Baile Dhuneideann agad fein, le nuallan tiamhaidh, ’s tu falbh air eeann na cuideachda do’n Chill, nach d’thainig tiomadh air mo chridhe, agus deoir air mo shuilibh. FIONN.—Tha cheart phort sin fein tiamhaidh ni’s leoir, agus chunnaic thusa latha a chluichinn e co maith ris gach dara fear; ach an cluinn thu mi a Ghoistidh, ’se an ni a tha Lachann agus a ministeir fein a’ ciallachadh ’nuair tha iad gar n-earalachadh gus na fasain Ghallda a leantuin, gu’n gnathaicheamaid an riaghailt agus an stuamachd, agus maraon an t-samhchair leis a’ bheil iad a’ dol mu thimchioll. PAR.—Tuigidh mi sin. Gu dearbh bha chuid sin de’n ghnothach mar bu choir dha a bhi. Bha’n uaigh ann an sud gu h-ullamh, reidh. Cha chluinneadh tu focal ard aig fear seach fear; cha robh connsachadh m’an cheart leaba, mar is tric a thachras ’san duthaich againne. Cha robh iad a’ seanachas thall ’sa bhos mu ghnothaichibh faoine; cha’n fhacas fiamh ghaire air gnuis; agus cha do chairich duine o’n uaigh gus an robh gach ni seachad. FIONN.—Nach robh eireachdas an sin, seach mar tha sinne air uairibh a’ faicinn? PAR.—Gu deimhin thaitinn sin rium gu h-anabarrach, ged bu shuarach leam gach spailpeanachd a bh’ann. B’ fhearr leam bhi air mo ghiulan do ’n Chill air a’ charbad bheithe, air guaillnibh mo luchd-duthcha, na sa charbad is riomhaich’ a dh fhalbh riamh air cuibhlichibh; agus bu taitniche leam aon deur a shileadh mo choimhearsnaich air m’fhoid na ged bhiodh na miltean de’n chomunn chealgach ud air thuarasdal ’gam chaoidh. FIONN.—Thachair e dhomh. Is dona ’fhreagras cealg agus mor-chuis aig an uaigh. Ach innis so dhomh a Pharuig, cionnas a chord an Eaglais mhor riut? Co dhiubh is briagha i no cach? PAR.—Chuir thu ceist air Paruig. Bha e co furasda dhomhsa innseadh dhuit co ’n reul is aillidh ’san iar mailt, a’ sinnse dhuit co an eaglais is riomhaiche ’sa bhaile so. Tha de dh’eaglaisean ann, na dheanadh baile mor iad fein, agus tha gach aon diubh eireachdail ni’s leoir; ach air a shon sin uile, is ann a tha i sud, mar a ghealach am measg nan reul. Tha te bheag bhinneach, eile lamh rithe nach deanadh tigh-seisein d’i. Tha mis’ ag radh riut gu bheil cneachdachd direach ’na gnuis. Tha uiread eadar-dhealachaidh eadar i fein, agus na h-eaglaisean ura, gogaideach a tha iad a nis a’ togail, ’sa tha eadar seana mhinisteir aosda, dreachmhor, le shuilibh tla, le chiabhaibh liath, agus sgaomaire de shearmonaich og, a tha fo bharrachd speis da fein, no fo iomaguin mu dhaoin eile. Ach ’si mo bharail fein gu bheil toilleadh ’sa choir de eaglaisean ann. FIONN.—Cha’n urrain sin a bhi. PAR.—Is urrainn. Cha tachair dithis ort a tha dol don aon eaglais; agus nach cluinn thu’n t-aon chonnsachadh truagh aca m’an aidmheil ud, agus m’an aidmheil ud eile a’s a’ h-uile fear co fada n’a bheachd fein ris an fhear eile, FIONN.—Tha leithid ann; ach tha dochas agam gu bheil iad am bitheantas a’ togail air an aon steidh ged tha eadar-dhealachadh baralach eadar riu an cuid a nithe. Cha’n eil connsachadh de’n t-seorsa sin n’ar measg-ne, ach tha ni co mi-chiatach ann: daoine ’their riut gu bheil iad de chreideamh an athraichean, de chreideamh a’ mhinistear an t-sagairt, no an easbuig, nach urrainn innseadh cionnas, no carson. PAR.—Tha an leithide sin ann; agus tha e na dhearbhadh nach eil creideamh ceart aca. Far nach eil meas air an fhearann, cha bhi fothrais mu na criochan. Ach an creid thusa na chuala mis an diugh, gu bheil corr a’s da fhichead mile anns a’ bhaile so nach eil a’ dol do eaglais eadar da cheann na bliadhna. FIONN.—Tha mi ’creidsinn gu bheil moran ann gu dearbh a tha gle shuarach mu na gnothaichean sin; ach air a shon sin, is iomad fear, mo thruaigh! nach ’eil a’ dol do ’n eaglais, a chionn nach ’eil aige de ’n t-saoghal na dhiolas airson aite-suidhe. Cha ’n ionnan agus sinne. Cha ’n fhaigh daoine ’s an aite so an t-uisge fein gun a cheannach. PAR.—Mata, cha ’n e sin duinne e. Na ’m biodh a’ h-uile goireas eile mar an t-uisge, bha sinn sona dheth. Ach mur urrainn doibh dioladh airson aite-suidhe ’s an eaglais ’s an aite so, is urrainn doibh do reir coslais dioladh air son an oil. Chunnaic mi ’nochd fein, air sraidean Ghlaschu, barrachd grainealachd agus mi-riaghailt na ’chunnaic mi riamh am dhuthaich. Ciod a their thu ris a so a nis? Ach gheibheadh tusa leisgeul dhoibh ged a spadadh iad Mairi agad fa chomhair do shul. FIONN.—Mharbhaisg air an olc! cha toilleadh bean mo ghradh sin air neach sam bith. Ach a ghoistidh, ge nach gabh mis’ an leisgeul, anns a’ chas sin, cuimhnich thusa an sluagh anabarrach a tha ann an Glaschu. An saoil thu na’m biodh a’ h-uile baile beag, mosach a th’ againne air feadh na Gaidhealtachd an ceann a cheile, nach iomad mi-riaghailt a chitheadh tu? Cha ’n e gu bheil iad glan fhalamh dheth mar tha. Tha daoine gle shiobhalt fad ’s nach ’eil iad a’ tighinn trasd air a cheile, is cha tugainn buidheachas doibh. Nach samhach na caoirich fein ag ionaltradh am fad ’sa tha farsuingeachd an t-sleibh aca; ach dumhlaich a stigh do’n fhang iad, agus faic mar dh’eireas iad air a cheile: Is ceart mar sin na daoine. PAR.—Sin thu rithist. Cha dean mise bealach nach duin thusa. Ge olc ’sa bhaile-mhor iad, a’ bheil iad moran ni’s fearr air an duthaich? A’ bheil cuimhn’ agad co liugha ait’ ’san do dhiult iad cuid na h-oidhche? An cuimhne leat an trusdar cailidh a dh’iarr orm mo phathadh a thoirt do’n tobar, agus a’ chuinneag lan aice ’na laimh? Seall mar theab iad an cleoca sgarlaid sin, a th’agad mar gu’m biodh seun ann fo’d cheann a’ h-uile h-oidhche, a ghoid uait. Ma’s iad riobainean de phioba, nach do ghoid iad iad? An cuimhne leat idir mar bha iad a’ crannadh nan dorsan, ’s nan uinneagan a’ h-uile h-oidhche mar gu’m biodh eagal orra gu’n tigeadh na Frangaich fo latha, ged a bha mada mor, grannd ac’ air slabhruidh aig ceann an tighe, le craos air a’ bheist a chuireadh eagal air Ailean-nan-con, ge gaolach mu na coin e. Bi thus’ a’ bruidhinn, ach m’eudail an duthaich far an coidheas an oidhche na an latha; agus an am gabhail mu thamh, far an suarach co-dhiu a tha’n crann air a’ chomhla bhreoite no nach eil. FIONN.—Mata, ’s priseil sin fein, tha mi ’gaideachadh. PAR.—Dh’aidich thu mu dheireadh e, a’s cha b’ann le ’d dheo n—gu dearbh—gu dearbh is tusa ’sheasas na Gaill! FIONN.—Dh’aidich mi’n fhad ud, ach air a shon sin cha’n aidich mi ’m feasd, nach eil moran, moran de dhaoine fiachail, cneasd agus ceanalt’ air a’ Ghalldachd. Nach b’eireachdail an co’-thional a chunnaic thu air an t-sabaid fa dheireadh, agus da-rireadh bu bhlasd an t-searmoin a fhuair sinn. (Ri leantuinn air an 6mh taobh.) [TD 236] [Vol. 4. No. 30. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 1, 1896. Tha Breatuinn ’ga sior neartachadh féin air a mhuir. Tha i cur a cuid shoithichean ann an òrdugh, agus a cur ri ’n àireamh, air chor ’s gu’n bi i lan uidheamaichte air son cogaidh ge b’e uair a thig e. Air an dòigh sin faodaidh i ’n gnothuch a ghabhail air a socair, agus leigeil le càch a bhi cho bagarrach ’sa thogras iad; ach cha’n eil i ’g iarraidh dragh a chur air rioghachd sam bith, gus an cuirear dragh oirre. Cha ’n eil aig muinntir a bhaile so ri luchd-riaghlaidh a thaghadh air a bhliadhna so idir. Bha ’m bàillidh agus tri de na comhairlichean a tha ’n dreuchd cheana air an cur a stigh gu h-aon-ghuthach, agus mar sin cha bhi taghadh ann Di-màirt s’a tighinn, mar a bhitheadh na’n robh barrachd us aon duine air ainmeachadh air son gach dreuchd. ’S fhada bho nach do thagh Sidni a luchd-riaghlaidh cho samhach so. B’àbhairt a cheart uiread ùpraid a bhi timchioll air, ’sa bhiodh timchioll air cur luchd-pàrlamaid do Ottawa Rinn na Stàitean straighlich mhor nuair a shaoil leotha gu robh Breatunn a dol a stigh air criochan Bhenesuela. Tha rannsachadh a rinneadh ann an Lunnainn o chionn ghoirid a’ nochdadh gu bheil na Stàitean fhéin a’ gabhail seilbh o’n bhliadhna 1825 air stiall fhearainn air cladach Cholumbia Bhreatunnach, air nach eil còir sam bith aice. Tha tri muillein acaire anns an stiall sin agus air dha bhi an oir a chladaich, tha e ro fhiachail. Cha’n eil fhios co-dhiu ni no nach dean Breatuinn dad air son am fearann sin a thoirt a mach. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Bha an aimsir glé mhath againn o chionn tri seachduinean. Fad seachduin na Nollag bha ’n t-side glé fhuar, agus bha smuid mhòr air a’ ghaoith o’n eara-dheas. Air taobh an ear Bhreatuinn agus Eirinn rinneadh call mòr air an fhairge. Re na seachduin chaidh corr is ceud duine a bhàthadh air taobh an ear na rìoghachd. Air mullach Beinn Nibheis, tha àite anns am bheil iad a h-uile latha ’s a bhliadhna a’ cumail mion-chunntais air an t-sìde, agus tha am fear ris am bheil an obair an earbsa ag innseadh dhuinn gu robh a’ ghaoth air latha Nollaig a’ deanamh ceud mile ’s an uair a dh’ astar! Bha a’ ghaoth anabarrach fuar, agus bha reothadh teann againn fad seachduin. Latha no dhà roimh ’n bhliadh’ ùir dh’ fhas an t-sìde blàth, briagha ciùin. O’n uair sin tha ’n t-side neo-chumanta blàth, briagha. Is gann a chunnaic sinn riamh roimhe na beanntan cho glan o shneachda aig deireadh an earraich ’s a tha iad an diugh. Tha na daoine aig am bheil e mar chleachdadh a bhith ’gabhail beachd air an t-sìde ag innseadh dhuinn nach robh a leithid de bhlàths anns an rìoghachd o chionn tri fichead bliadhna, mu ’n àm-sa ’s a th’ ann am bliadhna. Tha daoine taingeil air son na side bhriagha ach tha eagal orra gu’n bi an t-earrach anabarrach fuar, fiadhaich. Tha an àireamh a’s mo de ’n t-sluagh gun char ’g a dheanamh. Cha ’n ’eil daoine anns na bliadhnachan so cho dìchiollach gu obair ’s a bha iad ri mo cheud chuimhne. Is ainneamh àite anns am faicear daoine a’ deanamh gàraidh no ’tiormachadh fearainn mar a chunnaic mise aon uair. Tha ’n t-iomradh cogaidh a’ th’ air feadh an t-saoghail ann am beul gach duine. Tha eagal air mòran gu ’n toirear air falbh iad ma thòisicheas cogadh. Ach tha dòchas againn gu mair sìth agus soirbheachadh anns an t-saoghal a dh’ aindeoin na bheil na h-Americanaich a’deanamh de mhaoigheadh oirnn. Dh’ fhaoidhte nach ’eil iad cho marbhteach ’s a tha iad cho maoighteach. Ma thoisicheas an cogadh fàsaidh am biadh gle dhaor; oir tha an earrann a’s mo de bhiadh na rioghachd so a’ tighinn a nall ugainn a America. Ach is suarach am biadh a bhith daor seach beatha dhaoine a bhith air a gearradh sios ann an cogadh fuileachdach. Bu chòir do na h-uile gach ni ’nan comas a dheanamh a chum sìth a ghleidheadh. IAIN. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 237] [Vol. 4. No. 30. p. 5] NAIDHCEAHDAN. Bha siorrachd Charlevoix ann an Cuibeic a taghadh fir-parlamaid Di-luain s’a chaidh. Fhuair Tearlach Angers, de’n phàirtidh Liberal a stigh le mu thri cheud bhòt a bhauachd air an fhuair am fear a bha ’ruith ’na aghaidh. Fhuair sinn litir ghasda bho “C. C.,” ach thainig i ro anmoch air son na h-àireimh so. B’ fhior thoigh leinn cluinntinn uaithe na bu trice. Fhuair sinn mar an ceudna litir bho “Cheann Liath,” ’si ro anmoch cuideachd. Bidh an da litir anns an ath àireamh. Chuir Mr. Murray, air an t-seachdain so a mach litir Ghàilig gu luchd-taghaidh na siorrachd, ag innse car son a thainig e mach an aghaidh Tupper, agus a’ cur an ceill a bheachdan fein a thaobh doigh-riaghlaidh na dùthcha. Cho fad ’s is aithne dhuinne, ’se so a cheud uair a bha litir Ghàilig dhe’n t-seòrs ud air a craobh-sgaoileadh anns an t-siorrachd so. Chaidh an soitheach-aiseig Mulgrave, a bhios a toirt luchd-siubhail nan carbadan iaruinn thairis air Caolas Chanso, a thorit air falbh leis an deigh mhòir feasgar an dé, agus bha i air a cur fada bhar a cùrsa. Cha d’ fhuair an carbad mar sin stigh do Shidni an raoir idir. Rainig e beagan an deigh naodh an diugh. Tha ’n sruth anabarrach laidir anns ach a alas, agus nuair a bhios deigh ann, cha ’n urrainn ach gann soitheach sam bith faotainn thairis air. Tha ’m paipear gasda sin, am Fiery Cross a mach air a mhios so, agus moran ann a thaobh na tha dol air adhart ann an Ceap Breatunn aig an àm so. Tha dealbh Sir Tearlach Tupper ann, agus mar an ceudna, dealbhan Dhai’dh ’IcKeen, agus Eachuinn F. Dhughlaich, na daoin-uaisle a chuireadh leis an t-siorrachd so do’n pharlamaid aig an taghadh mu dheireadh. Tha comhradh Gailig air a chur ann a bh’ eadar fear-deasachaidh a phaipeir agus Mr. Dùghlach ann an Ottawa. BATHADH.—Tha caraide sgiobhadh ugainn á St. Stephen, N. B., aig innse gu ’n deachaidh boirionnach a bhàthadh anns a bhaile sin Di-sathairne s’a chaidh, bean Thearlaich Ic Gilleain. Tha an tigh air a thogail air bruaich na h-aimhne a tha dol troimh ’n bhaile, agus tha seòrsa de laimhrig air cùl an taighe. Chaidh ise mach air am dorus chùil trath ’sa mhaduinn a dh’ iarraidh uisge, mar a thatar a deanamh a mach, agus air dòigh-eigin thuit i dh’ an uisge. Bha a h-aona mhac na chadal nuair a chaidh i mach. Dh-éirich esan ’s fhuair e a bhrai’east air a bhòrd. An deigh dha a bhiadh a ghabhail, bha ioghnadh air nach robh a mhàthair mu’n cuairt mar a b’àbhaist agus chaidh e shealltuinn air a son. Cha d’ fhuaireadh i gus an deach an làn a mach, agus an sin fhuaireadh a corp air an traigh. Bhuineadh Tearlach Mac Gillesin féin do Cheap Breatunn, ach tha e ’n dràsda ann an California. Tha aon mhac aig an tigh, agus chaidh fear eile bhàthadh, anns a cheart àite ’san do bhàthadh a mhàthair, àireamh bhliadhnaichean air ais. Tha ’n t-side a’ cumail briagha ged bha latha fuar no dha ann air an t-seachdain so. Tha na ròidean gle mhath, agus the e fusasda gu leòr gluasad air feadh na dùthcha. Tha cùisean ann an Cuba car mar a bha iad o chionn treis a dh’ ùine. Tha na ceannaircich a seasamh a mach gu math, agus tha sior fhairtleachadh air an Spainn an toirt of smachd. Tha an ceannard a bh’ air arm na Spainne air a ghairm dhachaidh, agus tha fear eile air a chur a nall ’na aite. Tha Gomez, ceannard nan Cubach, còrr us tri fichead bliadhna dh’ aois, ach tha iad ag radh gu bheil e cho beothail, tapaidh agus cho geur gu cogadh ’sa bha e ann an laithean òige. Bha dithis de chomunnan stuaime a bhaile a mach air an t-seachdain so le ’n cuid each us shleigheachan; na Good Templars Di-luain, agus na Sons of Temperance Dior-daoin. Fhuair iad le chéile side bhriagha agus ròidean cho math ’sa dh’ iarradh iad. Chaidh lath ’n Ainmeachaidh a chur seachad air dòigh ùr anns a’ bhaile so Di-màirt s’a chaidh. B’ àbhaist dhaibh-san a bhiodh ag iarraidh a stigh a bhi còmhladh, agus labhairt ris an t-sluagh fear an deigh fir. Air an tunns so ’s ann a bha iad air leth, Tupper agus a chàirdean ann an tigh na cùrtach, agus Murray agus a chàirdean féin ann an Talla na Stuaime. Cha robh, mar sin, an latha cho toilichte leis a mhor chuid de ’n t-sluagh ’sa bhitheadh e nan robh na daoine bha ’g iarraidh an cuid bhotaichean orra mu choinneamh a chéile. Ach cha’n eil teagamh nach robh reusan air iad a bhi mar sin. Bha moran sluaigh cruinn; cha ’n eil tigh ’sa bhaile anns an toilleadh iad uile: agus bha’n t-side tuilleadh us fuar air son iad a sheasamh a muigh. Chaidh nighean do’m b’ ainm Anna Kempton aois cheithir bliadhn’ deug, a mhurt oidhche Luain s’a chaidh faisg air Bear River, baile beag ann an siorrachd Digby. Fhuaireadh i marbh an tigh a h-athar ’sa mhaduinn Di-ciaduin, le fear Padruig Wheeler, a chaidh dh’ ionnsaidh an tighe a dh’ iarraidh bainne. Bha clàr a h-aodainn air a bhristeadh a stigh mar gu m b’ ann le maide connaidh agus a sgòrnan air a ghearradh. Tha an tigh ann an àite car aonranach, mu thri mile bho’n bhaile. Bha a h-athair agus a bràthair ag obair anns a choille astar air falbh, agus tha a màthair anns na Stàitean. Bha bean a tha ’sa choimhearsnachd agus a h-ighean a’ fuireach còmhla rithe na h-uile oidhche, ach am feasgar ud cha d’ thainig iad a chionn gu robh dùil aice féin an oidhche chur seachad ann an tigh coimhearsnaich. Chunnacas mu dheireadh i mu chòig uairean feasgar Di-luain ann an stòr ’sa bhaile. Cha’n eil fhios cò rinn an gniomh oilteil; tha àmhrus air a leagail air Wheeler, agus tha e air a ghlacadh, ach cha’n eil, cho fada so, dearbhadh mor sam bith ’na aghaidh. FEBRUARAIDH, 1896. 1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645. 2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 3 Di-luain 4 Di-mairt. Rugadh Robert Peel, 1788 5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhe’n t-solus, 8.24, feasgar. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7.17. 8 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 5.11. 9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 10 Di-luain 11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692 14 Di-haoine. (13) An Solus Ur. 11.59 maduinn. 15 Di-sathairne 16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid. 17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh, 7.02. 18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh, 7.00. 19 Di-ciaduin. I latha dhe’n Charghus. 20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam. 21 Di-haoine. A cheud chairteal dhe’n t-solus, 5.01, feasgar. 22 Di-sathairne 23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaich ’sa Charghus. 24 Di-luain 25 Di-màirt 26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh, 6.47. 27 Dior-daoin. A ghrian a’ laidhe 5.41. 28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar. 29 Di-sathairne. Fad an latha, 11u. 1m. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 238] [Vol. 4. No. 30. p. 6] (Air a leantainn o’n 3 taobh.) PAR.—Tha na daoine tlachdmhor gu leoir, ach arson na searmoin— FIONN. Nach do thaitinn i riut? Tuigidh na Gaidheil a nis o gach aite beagan de ’n Bheurla. Tuigidh tus’ i, dh’ aon cuid. PAR.—Cha tuig, Fhionnlaidh, agus is dithis duinn sin, thu fhein, agus mise; ged a bha sinn air a’ mhachair, cha ruig sinn a leas moit a chur as ar Beurla, mar a ni a’ h-uile peasan a chuir a chas air cabhsair. An saoil thu ged a tha gabhail an rathaid mhoir againn, an tuig sinn searmoin; agus a dh-innse na firinn, cha do choinnich a’ Bheurla sin riamh mi fathasd a dhruigh air mo chridhe. Tha i maith gu leoir ann an gnothaichibh, ach tha ’n tubaist oirre ’s a’ chrannaig. Ach o’n thainig sinn air an t-seanachas, nach don’ an ceartas a tha sinn a’ faotainn a mach air a Ghallachd, nach ’eil iad à toirt, duinn teagasg ’s a’ chanain a’ thuigeas sinn. Is ard, ladarna a labhras na Gaill mur faigh iad Beurla againn, ach féuch co bheir Gaidhlig dhuinn, ’n uair theid sinn a mach? FIONN.—Cha ’n ionann idir an da ghnothach d a cheile; ach gun an seanachas a leantuinn ni ’s faide, a’ bheil iomradh idir agad air an tuath chneasd a chunnaic sinn, a’ h uile fear dhiubh mar mhinisteir ’n a theaghlach, co ciallach, stolda nach ceadaicheadh facal ard no olc sam bith m’ an timchioll? An do leig thu air di-chuimhn’ an duine beannaichte sin, Mr. Ponton, a thug dhuit an leabhar math sin a th’ agad air do shiubhal; agus a liugha earail agus comhairle mhath a thug e ort am fad ’s a bha thu ’n a theaghlach? C’ ait’ am faigheadh tu a leithid ad dhuthaich? PAR.—Tha iad ann, agus tha dochas agam gur ann an lionmhoireachd a bhios iad a’ dol. Bha esan ’n a dhuine cneasda, gu dearbh; b’ fhearr leam mo shaothair a thoirt dha air a leth-luach na do dhaoin’ eile air an lan thuarasdal. Mo bheannachd ’n a chuid, ’s na chuideachd! FIONN.—Mar sin. ’S mi tha ’n a chomain; ma chuireas mi duine-cloinne am feasd gu Galldachd, ’s ann ’n a rathad a stiuras mi iad. Na paisdean bochda, ’s eiginn a bhi as mo shealladh uair no uaireigin. Thainig sinn air a cheile a nise a ghoistidh. Tha uainn a bhi ’cadal. Oidhche mhath dhuit! PAR.—Mar sin duitis, fhir mo chridhe. I. M’L. A Ontario. Tha sneachda mòr againn bho’n thainig a bhliadhn’ ùr a stigh, agus fuachd gu leòir. Tha biadh spréidhe air fás glé ghann, agus tha iad a’ toirt moran fodair a nios as na mòr-roinnean iosal. Tha baile Durham, deich mile bho’n bhaile bheag so, agus tha cho math ri leth-cheud lòd sleighe a’ falbh as a bhaile sin na h-uile latha bho cheann mios, eadar fiar, fodar, prann, agus biadh brist dhe gach seòrsa. Cha mhor gu robh mir bidh aca dh’ an cuid cruidh deich mile tuath air Durham mu bhliadhn’ ùr, agus tha e gle chunnartach, an deigh dhaibh an toirt troimhe cho fada, gum bàsaich iad air moran mu’n tig an samhradh. Tha tunna fodair a creic bho dheich dolair gu aon dolair deug; fiar sia dolair dheug gu seachd dolair dheug an tunna: agus an corice 22c. us 23c am buiseal. Tha an coirce saor gu leòr, ach tha iad ag radh nach dean beothaichean feum gum bhiadh garbh còmhla ri coirce briste. Tha gu leòr de bhiadh ’s de dheoch duine anns an àite, ’sair uairibh bidh daoine ’gabhail barrachd dhe’n deoch ’sa thig ri ’n slàinte. A thuilleadh air na thatar a’ cur ’san deoch làidir tha daoine anns gach àite a’ cosg airgeid ann am moran de nithean anns nach eil a bheag a dh’ fheum, mar tha ti, siucar, agus gu seachd sònraichte, an tormbaca. Cha’n eil mi faicinn feum cruthaichte do dhuine ann a bhi cur toite á piob. Chuala mi fear ag innse sgeòil uair mu sheana bhean chòir a bha gle throm air a bhi toiteadh na pioba. Bhruadar i aon oidhche gu’n do chaochail i, agus gu’n deach a’ giùlan suas gu geatachan an ionaid naoimh. Bhuail i aig an dorus; thainig an dorsair a mach gu grad ’s dh’ fheòraich e ciod a b’ aimn dhi. Dh’ innis i dha, ag radh gu robh a h-ainm air an leobhar, na’n rachadh e a’ rannsachadh. Dh’fhalbh an dorsair, agus an ceann tiotadh beag, thill e, ag radh nach d’ fhuair e a h-ainm idir. Thuirt a bhean ris gu robh dearbh chinnt aice gu robh a h-ainm air an leobhar, agus chuir i impidh air falbh air ais agus rannsachadh gu cùramach agus gu faigheadh e a h-ainm. Rinn e mar a dh’ àithn’ i air, ach thill e mar a rinn e ’cheud uair gun a h-ainm fhaotainn. “Och,” ars ise, “seall aon uair eile” Rinn e sin, agus an treas uair thill e le aoibhneas ’na ghnùis ag radh,—“Feumaidh tu mo leisgeal a ghabhail; fhuair ni d’ ainm gu fada shios air deireadh na duilleig, agus e air a dhubhadh cho mor le toit tombaca ’s gur h-ann air eigin a rinn mi mach e!” Bha mi ’leughadh litir “Bodachan a Ghàraidh” á Alba, an la roimhe, agus gu dearbh thaitinn i rium. Tha mi dol a chur ceist air. Dé an aois a dh’ fheumas duine bhi mu’n abrar bodach ris? Cha rud gle mhodhail a bhi ’ga radh ri duin’ eile, ach ’nuair a their duine ris fhèin e, cha’n eil e cho mi-mhodhail idir. Cluinnidh mi moran de dh’ oigridh, agus ’se bhios aca air an athair ’s air am mathair, am “bodach” ’sa “chailleach.” Nach mor an t-eas-urram a tha na h-ainmeannan sin a nochdadh. Tha iad da-rireadh mi-mhodhail, agus cha bu chòir air chor sam bith a bhi ’gan cleachdadh le cloinn an àm a bhi bruidhinn mu’m pàrantan. Tha eagal orm, a dhuine chòir, gu bheil sibh ’g ur sgitheachadh le bhi toirt moran dhuibh ri dheanamh us beagan air a shon. Tha mi dol a dh’ fheuchinn an ath uair a sgriobhas mi, ri litir a’s fhearr a chur ugaibh. Ni mi mo dhichioll air a Ghàilig a chumail suas mar is urrainn mi. Oidhche mhath leibh an dràsda; tha e faisg air da reug, agus tha ’n t-àm aig gach duine bhi ’na leabaidh. IAIN MAC ’ILLEASBUIG, Priceville, Ont., 20, 1, ’96. MacDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; [TD 239] [Vol. 4. No. 30. p. 7] Na Seann Ghaidheil. Cha ’n ’eil eachdraidh chinnteach againn a dhearbhas gu soilleir cia as a thainig na Gaidheil. A reir coslais, thriall iad air tus o thir Armenia troimh chomhnardaibh Asia thairis do ’n Roinn-Eorpa aig am cho fada o shean agus nach ’eil cunntas air bith ann an eachdraidh mu ’thimchioll. An deidh sin sgaoil iad air feadh na Roinn-Eorpa gu deas agus an iar, gus an do lion iad an Eadailt, a’ Ghreig, an Spainn, an Fhraing agus a’ Ghearmailt. Gheibhear ainmean Gaidhealach anns gach aon de na duthchannaibh sin, ni a dhearbhas gu ’n robh na Gaidheil uaireigin anns an tir. Mar a bha iadsan a’ triall gus an iar, bha sluagh eile a’ tighinn as an deigh o’n airde ’n ear, agus bha an ni so ’g an eigneachadh gu sealltainn a mach air son aitean-comhnuidh nuadh, ’n uair a bha na seann aitean ro chumhang, no air an glacadh leis an luchd-imrich ur a thainig as an deigh. Air an doigh so thriall iad air an adhart gus an do rainig iad taobh tuath na Frainge mu choinnimh Bhreatuinn. As an Fhraing thainig iad a nall do thaobh deas Bhreatuinn—oir cha ’n ’eil astar fada cuain eadar an da fhearann; cha ’n ’eil an caolas ach mu thuaiream cheithir mile fichead air leud,—uime sin bhiodh e furasda gu loir dhoibh tighinn a nall ann an curaichibh mar a bha aca o shean. Lion iad air tus an earrann sin de Bhreatunn ris an abrar Sasunn air an latha ’n diugh, agus an sin sgaoil iad gu tuath gus an do lion iad an t-eilean gu h-iomlan. Tha e cosmhuil gu ’m b’ e “Albainn” an t-ainm a thug iad air an eilean air tus. An uair a thainig sluagh ur a nall as an Fhraing ris an abradh iad “na Cuimrich” mar ainm, dh’ fhag na Gaidheal ceann deas an eilein aca fein. Mheasgaich an sluagh ur so maille ri cuid de ’n t-seann luch-daitich, agus an sin thugadh “Breatunn” mar ainm air an eilean; ach ghleidh na seann Ghaidheil an sealbh air ceann tuath an eilein agus lean an t-ainm. Albainn air a’ chuid sin deth oir b’ e so an t-ainm a bha air an eilean gu h-iomlan air tus. An uair a lionadh an duthaich le daoinibh, agus a dh’ fhas i ro chumhang, sgaoil iad a mach gu Eirinn agus Manainn agus eileanaibh na h-airde ’n iar, maille ri, Arcamh agus Sealtainn gu tuath. Cha ’n ’eil e soilleir c’ uin a thachair an imrich so, ach a reir coslais, feumaidh e bhi corr agus coig no s a ’cheudan bliadhna roimh ar Slanuighear, oir, an uair a thainig Caesar thairis do Bhreatunn, bha na Cuimrich suidhichte anns an tir, agus fhuair Agricola ceann tuath an eilein air a lionadh leis na Caledonaich aig an robh bailtean-mora daingnichte agus armailtean lionmhor sluaigh air son cogaidh. Mar so chi sinn gu ’n robh na Gaidheil suidhichte ann an ceann tuath agus na Cuimrich ann an ceann deas Bhreatuinn an uair a fhuaradh a mach an t-eilean leis na Romanaich. Dh’ fheumadh iomadh linn dol seachad m’ an tachradh na nithean so, agus m’an rachdadh na caochlaidhean ud thairis air an tir, leis an d’ thainig i gu bhi air a suidheachadh mar a bhi i an uair a fhuair na Romanaich a mach i. An uair a sgaoil na Gaidheil air feadh na tire, bha iad air an roinn ’n an fineachaibh agus ’n an rioghachdaibh mar a bha cinnich eile. Tha Homer, am bard Greagach ag innseadh dhuinn gu ’n robh moran de rioghachdaibh beaga agus de righribh anns a’ Ghreig; bha na Canaanaich ri linn Iosua air an roinn ’n am fineachaibh, agus a righ fein aig gach fine; agus b’ i an aon doigh riaghlaidh a bha anns an Fhraing, ’s an Eadailt ’s an Spainn agus anns a’ Ghearmailt, aig an am sin. Bha na righrean ’s an am sin cho lionmhor ris na diucaibh agus ris na h-iarlachan air an latha ’n diugh. Tha na Seanachaidhean ag radh gu ’n robh seachd righrean am measg na cuid sin de na Gaidheal ris an abairteadh na “Pictich.” Bha, mar an ceudna, moran righrean agus fhineachan am measg nan Deas-Bhreatunnach an uair a thainig Caesar. Cha robh tuilleadh ughdarrais no cumhachd aig na righribh so na bha aig na cinn-fheadhna Ghaidhealach o chionn tri no ceithir de cheudaibh bliadhna air ais. Ged a bha an tiodal, righ, aca cha b’ ionann cumhachd righ aig an am sin agus righrean an latha ’n diugh. Air uairibh rachadh na righrean so ann an co-bhoinn ri cheile fo aon ard-righ mora bha ’n a cheannard air cach, mar a thachair ri linn Chalgaich a bha a’ cogadh ri Agricola agus na Romanaich aig a’ Gharbh-mhonadh. D. B. B. CATHAIR FHIACHAIL—Buinidh a chathair a’s fiachaile th’ air an t-saoghal an diugh do’n Phàp. Tha a’ chathair air a deanamh air airgead, agus is fhiach i da fhichead mile dolair. Chuireadh chathair so g’ a ionnsuidh mar ghibht le bancair beairteach a mhuinntir nan Stàitean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 240] [Vol. 4. No. 30. p. 8] ORAN Do Bhàta d’ am b’ ainm Struilleag; leis ’a CHUBAIR CHOLACH. FONN.—“Gur h-i bean mo ghaoil an Spainnteach.” Struilleag. ’S mise ’tha dheth tùrsach, cráiteach; ’S fada ’n so ’s a bhágh leam fhin mi. Cha ’n ’eil duine nach tug cùl rium, Dh’ fhàg an Cùbair mi air di-chuimhn’. Seadh, ged ’s iomadh la de m’ shaoghal ’Sheol e mi fo aodach iosal.— Och mo chreach; gur truagh r’a smaointinn Nach h-’eil suim de m’ shaothair dhileas. An Cubair. ’S gòrach dhuit a bhi ri tuireadh, Cha ’n eil culaidh s an Roinn-Eorpa A gheibh chu no meas bho dhuine ’N uair a sguireas i de sheoladh. Tàirnidh mise suas gu traigh thu ’Dh’ fhaighinn bais, am bagh na smeòraich Tha mi ’n dùil gu bheil thu paidhte Airson gach là a shnamh thu dhomhsa. Struilleag. Cha ’n i ’n aois a rinn mo lagadh, Ach thus’ Alastair, ’bhi sporsail; ’S a bhi ’dol an dèigh te eile, Gus an deireadh a thoirt domhsa. B’ fhearr dhuit na teannadh ri cailich A bhi leanachd ri d’ shean-eolas.— Till rium ’s bheir sinn sgriob am bliadhna Do’n chuan shiar a dh’ iarraidh ’n Toisich. An Cubair. Fuirich gus an tig an t-earrach Agus fanaineachd na h-aimsreach, ’S bheir sinn turas eile fhathast ’Dh’ iarraidh bathair air na seann-Ghaill. Mur-a dùblaich thu ’n Roinn-Ileach Air bheag sgios le aiseag sabhailt’, Tairnidh mi air chreig aìr tir thu, ’S cha toir mi gu d[?] lamh ort. Struilleag. Cha ’n eil cùram orm an t-slighe ’Tha thu bruidhinn oirre ’sheòladh. ’N cuimhne leat an latha dh’ fhag sinn An traigh bhan an Innis-Eòbhainn. Tha mi ’n dùil nach gnothach amaid, No gniomh caile nach d’ fhuair eòlas, ’Rinn mi ’n latha sin.—A chlisgeadh Chuir mi ’n Dubh-Iortach fo m’ sgòdaibh. An Cubair. Faire, faire ’n cluinn sibh Struilleag? Tha i uile air dol gu bòilich; Tha i toirt d’ i féin gach urraim, Gun ghuth air duine ’bha còmhl rith’, Nach mi fhin a bha ’g ad stiùradh, ’S tu air chùl nan tonnan mòra. Ged is tusa ’bha ’g an reubadh S ann bhuamsa, ’s gach ceum, bha d’ eòlas. Struilleag. Ged is tus’ thug mi á Eirinn, Bu mhath ’thillinn féin air m’ eòlas. ’S math a dh’ aithnich mi ’n Roinn-Ileach, S rinn mi direach aìr Muldònach. ’N uair a chrom an ceò gu dùmhail, Leag mi mo chùrs’ air ceann Shòaidh, Thug mi ’m mach mo chala gnathaicht’ ’S dh’ acharaich mi aig bagh na smeòraich. An Cubair. Na creidibh facal de ’seanachas; ’S ann tha boil-mhearaichinn na h-aois’ oirr’: Cha ’n fhaca mi latha riamh i Nach feumadh i mias ’g a taomadh. Cha ghabhadh i ’n rathad dìreach. Mar-a ciosnaichinn le taod i. S co-dhiu ’bhiodh ann fiath no séideadh, Cha deanadh i feum le aodach. Struilleag. N cuimhne leat an latha duaichnidh Dh ’fhàg thu Loch-a-Tuath le spòrs leam? Cha robh bata ’bha ’s an tional Nach robh gearanach gu leòir air. Theap thu mo chur ann am bhreislich Eadar Freasalan ’s ceann Shòaidh. Tha mi ’n dùil nach robh mi leisg dhuit ’S tu ’g am ghreasad thar nam bòchd-thonn An Cubair. Tha mi cuimhneachadh mar bha e:— ’N tusa bata ban a’ Chùbair? ’S iomadh turas math a rinn thu; ’S cha d’ fhuair mi riamh foill ad ghiùlan. Ged leig mi thu greis air di-chuimhn’ Tillidh mi le m’ chrìdh’ as ùr rìut, Cha leig mì sgreathadh air tìr Le té do ghìomh: bu mhòr an diùbhail. Tha a Choille Ghrnamach, an t-òran a bha ri leantuinn o’n àireamh mu dheireadh air a dhùmhlachadh a mach as an aireamh so le cion aite dha. Gheobhar e anns an ath aireamh. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 241] [Vol. 4. No. 31. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 8, 1896. No. 31. AN T-EASBUIG SELWYN. Feumaidh mi tuilleadh a chantainn mu na Maories mu’n tòisich mi air innse mu’n Easbuig Selwyn; gun sin a dheanamh, cha bhi eachdraidh an easbuig cho furasda h-innse. Dh’ innis mi cheana mu na Maories, gu robh iad nan daoine làidir, deante, agus neo-chumanta tapaidh, agus glensda air son sealltuinn an deigh an gnothuich féin. Tha comunn ann an Lunnainn. “Luchd-dion nan Innseanach agus nan daoine dubha,” a tha deanamh an uile dhichioll air na Maories agus daoine fiadhaich eile a challdachadh. Bha ceud luchd-àiteach Bhreatuinn nan daoine mòra fiadhaich, itheadh a chéile mar bha Maories. Le bhi air an co mheasgachadh le sluagh dhùthchannan eile dh’ fhàs na Breatunnaich nan sluagh foghainteach mar tha iad an diugh. Co aige tha fios na’m biodh na Maories air an calldachadh, nach tigeadh iad gu bhi nan sluagh tuigseach tapaidh, mar an ceudna? ’Nuair a thainig na daoine geala do’n dùthaich an toiseach, bha na Maories cha lionmhor ’s gu feumadh iad a bhi glé sheòlta air son a bhi sitheil riutha. Bha marsantan, daoine inbheach eile, agus iasgairean nam mucan-mara a’ gabhail còmhnuill anns an dùthaich gun bhacail sam bith. Seòladairean agus daoine bochda eile, bha na Maories ag itheadh! Bha iad a faicinn feum air na marsantan, bha tlachd mòr aca dhe’n cuid bathair, ach cha robh iad a’ faicinn feum idù anns na daoine bochda, agus mar sin bha iad a’ deanamh feum dhiubh! Bha na marsantan agus an fheadhain eile a gabhail mhnathan de na Maories thuca féin, agus, ’nuair a thainig an luchd-teagaisg, agus an t-Easbuig Selwyn am measg chàch, thug iad a h-uile misneach dhaibh na pòsaidhean sin a chumail air adhart, an dùil gu’m biodh an sliochd ni b’ fhearr na Maories féin. Ach cha do thionndaidh an sliochd sin a mach cho math ’sa bha iad an dòchas. Tha cuid de na leth-chaistich (half-castes) nan daoine measail, ach tha chuid a’s mò dhiubh air atharrachadh sin, lan de’n olc. Thug iad bho’n aithrichean geala gach droch bhuaidh a bh’orra, agus cha d’thug iad math sam bith bho ’m màthraichean dubha. Tha na boirionniach leth-chaisteach gle bhriagha, agus tlachdmhor, ach cha’n eil iad idir cho math ’s bu choir dhaibh a bhi. Agus le innse na firinn cha d’ thug na daoine geala eiseamplair a b’ fhearr dhaibh. Thàinig an t-Easbuig Slewyn do’n dùthaich anns a bhliadhna 1842, ’s e air ùr shuidheachadh mar easbuig ann an siorrachd Auckland, agus an eileanan a chuain mhòir far an robh luchd-teagaisg na h-Eaglais Shasunnaich a saoithreachadh. Dh’ionnsaich e cainnt nam Maories air a thurus a mach á Sasunn, agus labhair e ’sa chainnt sin ’sa cheud shearmon a rinn e an deigh dha tighinn air tir! Bha e na dhuine gle laidir. Nuair bha e na dhuin’ óg a’ dol dh’an sgoil, bha e na ghaisgeach air snamh ’s air iomradh bata, air thoiseach air gach aon de chompanaich ann an neart, agus ann an gleachd no an stri de sheòrsa sam bith, cha robh duine dhiubh a chuireadh a dhruim ri lar. Bha neart inntinn aige còmhla ri neart cuirp, agus bha e lan fhreagarrach air son an t-suidheachaidh a thugadh dha. Bha soitheach beag aig an eaglais air son a bhi cur cuairt air na h-eileanan, agus bhiodh an t-Easbuig a falbh oirre bho àite gu àite. Bha e ’na dheagh sheòladair; ghabhadh e riaghladh an t-soithich na lamhan féin, agus dh’ fhenmadh an sgiobair agus gach duine bhiodh air bòrd a bhi gle umhail dha. Bhiodh e ’g obair air bòrd mar dhuine sam bith eile de’n sgioba, cas-ruisgte ’glanhadh clar-uachdar na luinge le sguabaich, agus a’ glanadh ùrlar an t-seòmair aige fein gun a bhi ’n eiseamail sgalaig no duin’ eile. Bhiodh e taghall air eileanan air an robh daoine fiadhaich, fuilteach, agus ’nuair nach b’ urrainn bàta dhol air tir ghabhadh e an snàmh. Chumadh e treis de sheanchas ris na daoine gun eagal sam bith aige rompa. Bha inneal aige air a dheanamh de dh’fhiodh aotrom, air son a cheangal ri bhroilleach gus e féin a dhion bho na creagan corrail a tha glé lionmhor agus glé bhiorach anns na h-uisgeachan sin. Bha i air a deanamh air cumadh toiseach bàta gus e bhi furasda dha dhol troimh ’n uisge leis. Thainig aon uair, deasbud eadar e-fhéin ’san sgiobair, an sgiobair a’ diùltadh ni a dh’ iarr e air a dheanamh. “Mur-a dean, bheir mis’ ort,” ars an t-easbuig, agus le sin rinn e greim air an sgiobair, ’s am priobadh chuir e a dhruim ri clàr na luinge. “De do bheachd orm a nis?” ars esan. “’Si mo bharail,” ars an sgiobair, “gur-a duine tapaidh thu ach gur-a donas easbuig thu.” An deigh cuairt a chur air na h-eileanan, rachadh e ’n sin troimh ’n tir-mhor, a’ taghal anns gach àite ’san robh gin, de’n eaglais aige. Bha ’n dùthaich garbh, gun rathad mor no drochaid, ach bha esan làidir, agus shiùbhladh e gun stad, air uairean a marcachd, ach mar bu trice dha chois. Cha chuireadh amhainn sam bith bacadh air, shnàmhadh e troimpe! Bhiodh na h-uaislean gu tric a toirt cuiridh dha gu latha no oidhche chur seachad còmhla riutha, ach cha rachadh e ceum bhar a dhleasanais air son a h-aon dhiubh. Aon uair thainig an oidhche air aig tigh duine bochd, a mach air an dùthaich. Cha b’e bhochduinn gu leir bu choireach, ach cha robh greim bidh a stigh aig an àm. Ach bha poca de chôrn aig an easbuig a bha e ’giùlan air son an eich. Thugadh lamh air a sin, rinneadh min air le muillean bheag iaruinn, a bha gle phailt ’s an am sin, agus mar sin bha aca na chuir seachd an oidhche dhaibh. Bha an t-easbuig cho toilichte le sin ’s ged a bhiodh am biadh a b’ fhearr ’s an dùthaich aige. IAIN ROTHACH. [TD 242] [Vol. 4. No. 31. p. 2] SEANN SGEULACHD. (An Gaidheal, 1874.) Mu’n bhliadhna 1430, thainig tighearna Aird-ghobhar air sgriob do Raineach, agus phos e nighean do thighearna Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Donnachaidh. An uair a thug fear Aird-ghobhar a bhean leis gu ’chaisteal fein, chuir fear Shruthain coignear ghillean sgairteil maille ri ’nighinn, a bha ’n an cairdean dileas dh’i, agus anns am feudadh i a h-earbsa ’chur am measg choigreach. Thug uachdaran Aird-ghobhar seilbh fearainn do ’n chuignear oganach sin dluth d’ a aite-comhnuidh fein, agus rinn e gach ni ’n a chomas chum gu ’n soirbhicheadh leo. Bha iad measail aig muinntir Aird-ghobhar, air sgath na baintighearna do ’n robh mor speis aca; agus cha ’n ’eil teagamh nach gabhadh iad fein agus an sliochd ’n an deigh, comhnuidh air fearann Aird-ghobhar mur b’e mar a thachair. Bha gach aon de ’n choignear a chaidh o Raineach, treun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air cach uile, do thaobh gaisg’ agus tapachd, agus gu sonruichte do thaobh a theomachd euchdaich le bogha agus le saighead. B’e Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh a b’ ainm do’n oganach ealanta so, agus cha b’ fhada gus an do dhuisg a luth-chleasan, eud agus gamhlas ’n a aghaidh ann an cridheachan luchd-leanmhuinn Aird-ghobhar. La de na laithean, dh’ eirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus oganach sgiamhach eile de mhuinntir Aird-ghobhar. Chaidh na fir a’m fionnsgan a’ cheile, ach cha b’ fhada gus an do leag Alasdair Beag an t-oganach gun deo air an raon! Cha deanadh fuireach feum tuille—b’ eigin do Mhac-Dhonnachaidh am fireach a thoirt air gun dail sam bith. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tamh, no fois, gus an d’rainig e a cheann-feadhna euchdach agus cruadalach fein, “Ian Dubh Gearr,” no mar a theireadh cuid ris, “Ian Dubh nan lann,” a bha ’gabhail comhnuidh ann an Gleann-Duibh—ris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dh’ innis e do ’n treun-laoch Iain Dubh mar a dh’ eirich dha an Aird-ghobhar; agus thubhairt Iain ris, “Cha ’n eagal duit a Mhic Dhonnachaidh, gabh fasgadh fo ’m sgeith-sa, agus ma thig mac mathar o Aird-ghobhar a chur dragh’ ort, cha teid e dhachaidh a dh-innseadh a sgeoil.” Fagaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, a’ tighinn air an gniomhara gaisgeil fein f’a seach, agus theid sinn le ’r sgeul, car tamuill bhig gu Srath-ghlais ann an Siorramachd Inbhirnis. Air la araidh bha ’n Siosalach, uachdaran Shrath-ghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a’ sealgaireachd air feadh nam beann. Air dhoibh a bhi air an sarachadh le siubhal nam beann chaidh iad a steach, aig cromadh an anmoich, do bhothan bantraich thruaigh a bha ri taobh an rathaid, agus, gun a cead iarraidh, mharbh agus dh’ ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Co a thachair a bhi stigh ’s an am ach duine bochd o Ghleann-Liobhainn a bha ’siubhal o aite gu aite ’g iarraidh na deirce. Cha robh na cuisean a’ cordadh ris an duine bhochd air chor sam bith, agus thoisich e ri bhi cur dheth agus a’ gearan. Thionndaidh an Siosalach agus thubhairt e, “Ciod a tha cur ort a bhodaich leibidich, dhranndanaich?” “Cha’n ’eil a’ bheag (deir an duine bochd,) ach tha fios agam air aon ni, ’s cha bhinn leat a chluintinn—tha fios agam far nach biodh a chridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulan mar a rinn e ’s a’ bhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agns thubhairt e, “Innis domh a bhodaich dhona c’ ait nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh?” “Is soirbh an ni dhomhsa sin a dheanamh (ars’ am bodach,) oir ann an duthaich ‘Iain Duibh nan lann,’ dh’ fheumadh tu a bhi umhal.” Mhionnaich an Siosalach gu ’m biodh dearbhadh aige-san air sin mu ’n rachadh moran laithean seachad. Thuig an duine bochd nach biodh cuisean reidh; agus cha do chaill e uine sam bith gus an d’ rainig e “Iain Dubh nan lann,” agus gus an d’ innis e dha focal air fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhor do’n duine bhochd air son a luathas-teanga, ach thug e maitheanas da, agus thoisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b’ fhad a chuir an Siosalach dail ’s a’ ghnothach; oir cha deachaidh seachdain thairis an uair a bha fir Shrath-ghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraithibh Ghlinn-Liobhainn. Bha freiceadan aig muinntir a’ ghlinne a mach a’ gabhail beachd air gach bealach, agus chunnaic iad na tuathaich naimhdeil a’ tarruing am fagus. An uair a roghnaich an Siosalach aite-taimh freagarrach air a shon fein agus air son a cheatharnaich, chuir e teachdaireachd a dh-ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh-amharc air o’n Airde-tuath,—“agus mar bi,” ars’ an Siosalach, ach cha d’ thubhart e tuilleadh. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gu ’m biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh—“ach ma thig” ars’ Iain Dubh, agus stad e ’an sin. Thuig na laoich air gach taobh gu’n robh na cuisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh uidheamachadh air an son. Chaidh na Siosalaich gu faicilleach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh Gearr mar gu ’m b’ ann air eutromas le mireadh-chatha chum deannal cruaidh, teith, a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, agus bu treun iad. Bha iad ’n an oganaich co clis agus ealanta ’s a ghiulan riamh iughar agus dorlach. Chaidh ceathrar diubh air laimh dheis an ’athar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ris an robh mar an ceudna Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh, a bha comharraichte ’n a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighead. Theirinn an Siosalach air ceann a dhaoine chum na h-aibhne an uair a bha na Liobhannaich thall f’an comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Srath-ghlais air’ eideadh o bharr gu ’bhonn le luirich-lannaich, clogaid agus ceann-bheairt, air chor ’s nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bha ’n latha grianach—agus chunnacas gathanna na greine miltean air aster, a dearrsadh mar ghrad bhoisge an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogad suas os cionn a shul, agus air a’ mhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clar an aodainn ceannard nan Siosalach. Ghrad sparr an duine leonta a lamh air an lot, agus ghlaodh Mac-Dhonnachaidh, “A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chulthaobh;” ach bha ’n Siosalach gun chomas freagairt—oir thuit e marbh air an laraich! Tha ’n t’ aite far an d’thug e suas an deo fathasd air a chomharrachadh a mach le cloich, ris an abrar gus an la ’n diugh, “Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimh- [TD 243] [Vol. 4. No. 31. p. 3] dean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh ied an cul air na Liobhannaich. Chuir Ian Dubh ruaig orra, agus cha d’ fhagadh mac mathar diubh beo ach am piobaire a mhain. Thugadh cead dasan dol dachaidh a dh-innseadh sgeul a bhroin d’ a chairdean agus d’ a chinneach. Goirid an deigh sin, thug “Iain Dubh nan lann” a nighean ’n a mnaoi do Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh, agus tha e air ’innseadh gu’m bheil an sliochd fathasd lionmho anns na criochan sin. SGIATHANACH. BEAN A’ MHISGEAR. CAIB. I. “Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.”—Gnath. 23. 21. “Tha eagal ormsa, ’Sheumais, gu’n d’ thig thu dhachaidh a’ nochd mar a thàinig thu dhachaidh iomadh oidhche o chionn tri bliadhna. Och, och, is beag a shaoil mi mu ’n do phòs sinn gur h-ann mar so a bhitheadh. Bu mhòr do thlachd air a bhith ’n am chuideachd ’s an àm ud; ach is fhearr leat a nis, a réir choltais, na feasgair a chaitheamh anns an taigh òsda ag òl an airgid bu chòir dhuit a chur ann an aodach ’s an caiseart do d’ chloinn bhig rùigste.” So cuid de na briathran a labhair bean Sheumais Bhàin rithe fhéin ’s i ’n a suidh’ aig taobh an teine ’càradh aodaichean na cloinne, eadar aon uair deug is da uair dheug ’s an oidhche. Bha ’n triùir bu shinne de’n chloinn ’n an cadal gu socrach, sàmhach, anns an leabuidh agus bha ’m pàisde a b’ òige—aois shia mìosan—’n a shuain chadail anns ’a chreathail ri glùin a’ mhàthar. Is gann a bha sradag beò ’s an teine. Bha ’n gual daor, agus bha ’n t-airgiod gann. Bha Seonaid—oir b’e so ainm bean Sheumais Bhàin—cho faicilleach ’s cho cùramach mu ’n airgiod a bha i ’faighinn o Sheumas ’s a b’ urrainn nigheann màthar a bhith. A bharrachd air sin, bha i o a h-òige air a cleachdadh ris gach obair anns am feum bean-taighe a làmh a chur. Cha robh fiach na sgillinn air a chaitheamh, le mi-bhuil, no le scaireap, eadar da cheann a’ mhios. Mar b’ e gu robh so mar so cha’n ’eil fhios ciod a bh’ air éiridh dhi fhéin ’s do ’n chloinn. Bha Seumas Bàn, ’n a ghille òg cho modhail, measail, deanadach ri h-aon a bh’ anns an dùthaich, ri ’linn. Fhuair e comhairlean agus eisimpleirean math o ’athair ’s o ’mhathair. Dh’ ionnsuich e glé mhath a h-uile ni ris an d’ fheuch e. Bha e ’n a shaor-geal cho math ’s a bh’ anns an dùthaich. O nach robh pailteas de ’n obair a fhreagradh air aige ri ’fhaighinn anns an dùthaich, thog e air do ’n bhaile-mhòr. Cha robh e tri làithean ’s a’ bhaile-mhòr an uair a fhuair e obair gu leòr agus deagh thuarasdal. Bha e glé ghlic, agus glé chùramach; agus bha e araon a deanamh cuideachaidh le ’athair ’s le ’mhàthair, agus a’ cur airgiod ma seach air a shon fhein. Cho fad ’s is fhiosrach sinn lean e air an dòigh so fad ceithir no coig de bhliadhnachan. Bha e fhéin agus Seonaid nigheann Alasdair Ruaidh eòlach gu leòr air a chéile mu ’n d’ fhàg e’ n dùthaich. Ma bha na bha daoine ag radh fior, bu glé thoil leò a bhith gu math tric an cuideachd a chéile. Cha robh so a’ cur ioghnaidh sam bith air daoine; oir tha, ’s bha, ’s bithidh e nàdurra gu leòr do ghillean agus do nigheannan òga bhith toigheach air a chéile. An déigh dha ’n dùthaich fhàgail cha do dhi-chuimhnich e Seònaid. Cha b’ urrainnear a ràdh mu ’thimchioll mar a dh’ fhaoidte a radh mu thimchioll iomadh fir eile, “An uair théid fad’ o’n t-sùil théid fad o’n chridhe.” Ge b’ e àm de ’n bhliadhna anns an tigeadh e dhachaidh a dh’ fhaicinn a chuideachd dh’ fheuchadh e ri earrann mhath dheth ’ùine a chaitheamh ann an taigh Alasdair Ruaidh. Mar a tha n seanfhacal ag ràdh, “Far am bi do chràdh bidh do làmh, ’s far am bi do ghràdh bidh do thathaich.” Le làn thoil an càirdean taobh air thaobh, phòs Seumas agus Seònaid. O’n a bha ’h-uile duine ann am beachd gu ’m bu ghille glic, stòlda, deanadach, curamach a bh’ ann a’ Seumas Bàn, agus o’n a bha e ’s an ainm gu robh deannan math airgid aige ’s a Bhanca theireadh iad nam measg fhein gu ’m b’ fhortanach do Sheonaid nigheann Alasdair Ruaidh gu ’n d’ fhuair i greim air. Bha Seonaid i fhein glé thoilichte le a crannchur. An uair a fhuaradh gach ni deiseil an déigh na bainnse, dh’ fhalbh iad do ’n Bhaile mhòr, far an do ghabh iad da sheomar bheaga. Bha cùisean a’ dol lèo mar nach b’olc fad corr is da bhliadhna. An sin thòisich Seumas ri frithealadh nan coinneamhan a bh’ aig cuid de ’n luchd-oibre a bh’ anns a’ bhaile mu thimchioll àrdachadh nan tuarasdal. An uair a sgaoileadh na coinneamhan rachadh cuid de na fir do na taighean-òsda a ghabhail deur beag mu ’n dealaicheadh iad ri ’cheile. Bhiodh a leithid aca ri ràdh ’s nach tugadh iad guth no iomradh air na taighean-òsda fhàgail gus an iarrta orra dhol a mach aig an aon uair deug. Dh fheumadh iad greis eile de sheanchus a bhith aca mu ’n dealaicheadh iad aig oisinn na sràide. ’Se bhiodh ann gu ’m biodh e suas ri da uair dheug mu’n ruigeadh fear seach fear dhiubh an taighean fhein. A’ cheud oidhche a bha Seumas fada gun tighinn dhachaidh bha Seonaid glé neo-fhoiseil ’na h-inntinn. Bha i air a clisgeadh gu ’n d’ éirich alltapadh air choireiginn dha. Cha ’n fhaodadh i na pàisdean fhagail leò fhein anns an t-seòmar gu a dhol air a thòir, ged a bhiodh fios aice c’ àite an robh e. Agus ged a bhiodh neach ann aig am fàgadh i a’ chlann bha làn fhios aice gu ’m bu cheart cho math dhi fuireach far an robh i ri dhol ’g a iarraidh air feadh sraidean a’ bhaile. IAIN. (Ri leantuinn.) Na bith tuilleadh is deas gu neach sam bith a ghabhail mar dhlùth charaid. Leig leis a’ chàirdeas fàs suas gu nàdurra mar dh’ fhàsas a h-uile ni eile. Is e am fliodh, agus na luibhean gun fheum eile, a’s braise a dh’ fhásas na ’m barr a dh’fhàsas, na ’m barr a bheathaihceas duine agus ainmhidh. A h-uile ni a’s braise a dh’ fhàsas, ’s e is luaithe sheargas. Is i chraobh dharaich a’s cruaidhe fiodh, agus is feumaile airson iomadh ni ach is i craobh a’s fhaide a bheir air fàs is aithne dhuiun. Gabh beachd sònraichte air so. Na bi tuilleadh is deas gu ni sam bith a ghealltuinn. Cuimhnich gu bheil facal glé chumanta am measg nan Gaidheal a tha ’g ràdh gur fiachan air duine rud a gheallas e. Smuainich uair no dha air co dhiu a théid agad air ni sam bith a thoirt seachad no nach téid. Ni sam bith a’s urrainn duit a thoirt seachad do dhuine sam bith aig am bi feum air cuideachadh, thoir seachad e. Ach na geall e mur urrainn duit a thoirt seachad. [TD 244] [Vol. 4. No. 31. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 3, 1896. Tha caisteal mor, air a dheanamh gu h-iomlan air deigh, air a chur suas ann an Leodville, an Calorado air a gheamhradh so, an caisteal deighe a’s mo a chuireadh suas riamh. Tha e toirt a mach tri acraichean fearainn, agus chosg e coig mile fichead dolair. Cho luath ’sa thig beagan blàiths, tuitidh an togalach so as a chéile. Fhuair sinn litir bho “X. Y. Z.” à Amhuinn Dhennis, nach b’ urrainn dhuinn a chur ’san àireamh so. Bheir ar luchd-leughaidh fa-near gu bheil a’ cheud chaibideil de sgeul le “Iain,” do’n ainm “Bean a Mhisgear,” anns an àireamh so. Tha “Iain” comasach air sgeul innse air dòigh a thaitneas ris gach aon a leughas i, agus tha sinn cinnteach gu’n còrd a sgeul mu “Bhean a’ Mhisgeir,” ri luchd-gabhail a MHAC TALLA air fad. Tha muinntir nan Stàitean a’ cur anns an òl na h-uile bliadhna, tri dolair dheug ($13) mu chinoneamh gach duine, bean us pàisde th’ anns an dùthaich. Tha muinntir Bhreatuinn pailt na’s miosa na sin, oir tha iad a’ cosg sia dolair dheug ’sa bhliadhna mu choinneamh gach aon dhe’n t-sluagh. Ged nach eil muinntir Chanada idir cho stuama ’s a dh’ fhaodadh iad a bhi, cha’n eil iad a cur a leth uiread ann an deoch làidir ’sa tha sluagh nan Stàitean us Bhreatuinn. Litir o Chabar-Feidh. FHIR-DEASACHAIDH:—Bha mi glé dhuilich a bhi faicinn anns an aireamh mu dheireadh a fhuair nu de ’n phaipeir gu ’n do thachair a leithid de thubaisd do ar caraid còir “Iain,” ach mar thubhairt sibh féin, ’s math nach robh a chuis ni bu mhiosa, agus is math an gnothach gu ’m beil e an comas toiseachadh rithisd air a naigheachdan Gàidhealach a chuir thugaibh, oir is ann da fein is math is aithne sin a dheanamh. COMUNN GAIDHEALACH LUNNAIN:—Bha ceilidh gasda aig a chomunn so air oidhche Di-sathuirne—oidhche chollainn anns an t-seann chunntais. Bha mn chuairt air ceud gu leth de chàirdean a làthair, agus tha e glé mhisneachail daibhsan a tha air ceann a chomuinn a bhi faicinn àireamh cho mor de na Gàidheil a gabhail tlachd anns an obair a tha iad a deanamh. Chuir Mr. Ian Mac Coinnich fàilte air a chuideachd ann am beagan fhacal, agus an sin ghairm e air Mr. Cailean Siosal gu àite fir-an-taighe ghabhail. Rinn Mr. Siosal òraid ghoirid agus an deigh sin chum e an taigh an deadh òrdugh fad an fheasgair. Bha coignear phiobairean a làthair agus mar sin cha robh easbhuidh air ceòl no dannsadh. Le sin agus pailteas de dh’ orain agus seanachas chaidh oidhche gle thaitneach a chur seachad. Bha gach òran agus òraid anns a Ghàidhlig. Tha fear eile de phàipeirean-naigheachd na Gàidhealtachd a’ dol a thòiseachadh air Gàidhlig a chlòth-bhualadh gach seachduin, ’s e sin an “Naigheachd Ghàidhealach” an Inbhirnis. Tha so na chomharradh air gu ’m beil ar cànain a’ soirbheachadh. CABAR FEIDH. Lunnain 21, 1, ’96. Chaidh duin’ òg, Alasdair Mac Leòid (mac Ailein) a’ ghoirteachadh gu dona aig an International Pier Di-ciaduin. Bha e ’g obair air mullach na laimhrig nuair a thainig tuisleadh air choireign air agus thuit e thairis. Chaidh droch ghearradh a dheanamh air clàr aodainn, agus bhatar an dùil an toiseach nach b’ urrainn da bhi beò a bheag a dh’ ùine; ach tha sinn toilichte chluinntinn nach eil e cho dona ’sa bhatar a’ deanamh a mach, agus gu bheil e a’ dol gu math na’s fhearr. Tha iomadh sgiorradh dhe’n t-seòrsa cheudna air tachairt mu’n laimhrig ud o chionn da bhliadhna. Reicidh D. J. Domhnullach, na th’ air fhàgail de’n bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saor ’sa ghabhas deanamh. Taghail aige. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 245] [Vol. 4. No. 31. p. 5] NAIDHCAHDEAN, Bha sioraachd Northumberland ann an New Brunswick, a taghadh fir-pàrlamaid Diordaoin. Fhuair an conservatie, Mr. Rober-son, a stigh. Cha chuala sinn ciod an àireamh bhòtaichean a fhuair e bharrachd air an fhear a bha ruith ’na aghaidh, an t-Onarach Paruig Mitchell Cha’n eil teagamh sam bith, a nise, nach b’e Wheeler a chuir a chaileag òg gu bàs air an t-seachdain s’a chaidh aig Bear River: tha a h-uile ni a sealltuinn mar sin, ged nach fhaca duine e ris a’ ghniomh. Tha e ’sa phriosan aca, agus tha e ri bhi air fheuchainn aig cùirt an ùine ghoirid. Chaochail fear Iain Moriarty anns a choille am Maine o chionn cho’-la-deug. Bha e ’na dhuine anabarrach mor; bha e sia troighean ’s naodh òirlich ’s tri chairteil a dh’ àirde, air ceannaibh a stocainnean; bha e da cheud ’s da fhichead pùnnd a chudtrom, agus bha a neart a réir a mheudachd. Chaidh a thoirt air falbh le fiabhrus. Cha robh e ach da bhliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Chaidh fear Alasdair Horne, aig Drochaid Horne, am Pictou, a mharbhadh le peilear gunna ’se na sheasamh aig dorus sabhal ’athar air am 16mh latha de Dhesember s’ chaidh. Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast co loisg an urchair, agus tha riaghladh Nova Scotia an dràsda ’tairgsinn duais, coig ceud dolair, do dhuine sam bith a bheir dhaibh fiosrachadh a chuireas air luirg an duine chiontaich iad. Thainig latha ’n taghaidh agus dh’ fhalbh e, agus tha Sir Tearlach Tupper air a chur a stigh. Fhuair e mu achd ceud us fichead bhòt a bharrachd air na fhuair Murray. Bha glé fhaisg air seachd mile bhòt air an roinn eatorra, barrachd mor ’sa chaidh a thoirt seachad aig taghadh anns an t-siorrachd so riamh roimhe. Dh’ fhalbh Sir Tearlach air a charbad ’sa mhaduinn Di-ciaduin, agus mu’n ruig so an luchd-leughaidh, bidh e measg a chàirdean ann an Ottawa. ’Se so taghadh cho ionraiteach ’sa bha ann an Canada o chionn iomadh bliadhna. Tha sluagh bochd Armenia a sior fhulang ainneirt an Turcaich, agus cho fada ’s is urrainn daoine fhaicinn, cha’n eil fuasgladh faisg orra. Bhiodh Breatuinn gle dheònach air cur as do chumhachd an Turaaich, ach cha’n urrainn dhi sin a dheanamh gun Ruisia agus a Ghearmailt a bhrosnachadh na h-aghaidh féin, agus cha’n eil toil sam bith aice sin a dheanamh. Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu bheil Ruisia agus an Tuirc air a dhol ann an co-bhonn ri chéile, agus ma tha sin ceart, cha’n eil ach an droch choltas air gu’m faigh na h-Armenianaich saorsa a cheud treis. Ach ged a theid neart thar ceart car ùine, thig an t-àm anns an toir an ceart buaidh. Iadsan a Phaigh. Domhnull Mac Illemhaoil, Priceville, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. Calum Mac Illemhaoil, Priceville, Ont. Padruig Crawford, Oldfield. Ont. Tigh nan Cumantach. Ottawa, Ont. Iain Mac Thearlaich, Ottawa, Ont. Murchadh Mac Rath, Ottawa, Ont. Bean R. A, ’Ic Rath, Brodie, Ont. A. M. Caimbeul, Aldboro, Ont. Bean D. Fhriseil, Brucefield, Ont. Iain Dùghlach, Sowerby, Ont. H. A. Mac Illemhaoil, South Finch, Ont. Alasdair Domhnullach, Thedford, Ont. Domhnull S. MacLeoid, Tolosta, Que. D. Mac Cuaig, Abbotsford, B. C. Iain D. Mac Fhionghain, Moosomin, N. W. T. Niall Seathach, Roseberry, Man. I. H. Staples, Bruachdryne, Alba. An t-Urr. A Mac Coinnich, Tomatin, Alba. An t-Urr. D. Healy, Pierce City, Mo. Aonghas Mac Aoidh, Providence, R. I. I. D. Mac Gilieain, Avalon, Cala. C. C. Mac Fhearghais, San Francisco, Cala. Bean A. W. Nordling, San Francisco, Cala. Alasdair Mac Citheagain, Everett. Mass. Domhnall Mac Rath, Milton, Oregon. Murchadh Mac Leoid, Beighe Bhaddeck. Ailein Camaran, Amhuinn Dhennis. D. H. Mac Cuithein, Port Morien. Iain Gillios, Sidni. An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni. Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac. Aonghas Mac Ritchie, Baile-nan-Gall. D. B. Mac-a-Mhaighstir. Creaganais. An t-Urr. L. J. Mac-a-Phearsain, D’escousse. Iain Mac-a-Phi, Seana Bhridgeport. M. D. V. Mac Neill, Xmas. Island. Bean D. F. Dhomhnullaich, Amhuinn Dhennis. Calum Mac Gill-fhaollain, Margaree. Alasdair M. Mac-an-t Saoir, Gabarus. A. Dùghlach, (Taillear,) Margaree. Gilleasbuig Peutan, Siudaig Bheag. Raonull Mac Citheagain, Gut Chatalone, Raonull Dùghlach, Grand Mira Tuath. Domhnull Mac Iomhair, Port Morien. A. J. Mac Gill-fhaollain, B. C. Chapel. Iain Domhnullach, Ceap Nòr. Niall I. Mac Neill, Gillis Point East Iain Dillon, Beighe Mhira I. F. Murphy Acarsaid Chloinn Fhionghain M. H. Mac Fhionghain, Gleann-garaidh Bean Neill Mhoireastain, Salem Road Micheil Mac Neìll, Xmas Island An t-Onarach Iain Mac Neill, Mabou Bean Choinnich ’Ic Gillinnein, Melford Donnacha Mac Leoid, Baddeck Mhor Aonghas Mac Asguill, Rudha ’n Rothaich, D. M. Caimbeul, Beinn-nan-Caimbeulach Iain I. Gillios, Forks Shidni, Aonghas Og Mac Fhearghais, Framboise Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira, Iain D. Caimbeul, Narrows Mhora. An t-Urr, A, L, Domhnullach, Hawkesbury D, F, Camaran, Bridgeville, N. S. D. Mac Neill, Loch na h-Aimhne Deas, Iain M. Domhnullach, Stellaron. Seumas Friseal, Alma, N. S. (50c) Màiri Nic Neill, Iona, C. B. (50c) A. Mac an-t-Saoir, Catalone, (50c) D. M. Mac Neill, Xmas Island, (50c) A. D. Mac Suinn, Glascho, (50c.) M. A. Nic Eachairn, B. C. Chapel. (50c) A. Mac Leoid, Allt-nam-Breac, (50c) Iain M. Gillios, Rona, P. E. I. 25c A. M Mac Neill, Iona, C. B. 25c I. A. Siosal, Glace Bay. 25c FEBRUARAIDH, 1896. 1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645. 2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 3 Di-luain 4 Di-màirt. Rugadh Robert Peel, 1788 5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhe’n t-solus, 8.24, feasgar. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7.17. 8 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 5.11. 9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 10 Di-luain 11 Di-màirt. Fad an latha, 10u. 7m. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Chomhain, 1692 14 Di-haoine. (13) An Solus Ur. 11.59 maduinn. 15 Di-sathairne 16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid. 17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh, 7.02. 18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh, 7.00. 19 Di-ciaduin. I latha dhe’n Charghus. 20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam. 21 Di-haoine. A cheud chairteal dhe’n t-solus, 5.01, feasgar. 22 Di-sathairne 23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaich ’sa Charghus. 24 Di-luain 25 Di-màirt 26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh, 6.47 27 Dior-daoin. A ghrian a’ laidhe 5.41. 28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar. 29 Di-sathairne. Fad an latha, 11u. 1m. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 246] [Vol. 4. No. 31. p. 6] Litir a Strath-Alba. A CHARAID IONMHUINN:—Faidh anns an litir so da dhollar bho dhithis dhaoine còire a tha car socharach iad fhéin gu sgriobhadh ad ionnsaidh, ach a tha nam fior chàirdean duit air son sin. Cha mhaith leo deanamh as aonais MHAC-TALLA, agus fhads’ nach cosg e ach dollar, mo làmhsa gu ’m bi e aca. Cha ’n ’eil moran naidheachdan agam duit aig an àm so. Tha geamhradh briagha againn a dh’ ionnsaidh so. Cha dàinig fuachd mor fathast. Cha ’n eil sneachda domhain againn ach tha gu leòr ann gu rathaidean matha a dheanamh. Tha roinn de ’n t-sluagh a gearain cnatain agus tinneasan de ’n t-seòrsa sin. Ach cha ’n eil tinneas gabhaltach air bith ’n ar measg. Gidheadh cha’n eil am bàs na thàmh anns an tir. “Tha sean ’us òg a dol sios do ’n uaigh.” Chaochail nàbuidh gasda dhomh bho chionn ghoirid Ailean Màrtuin, Mac Alasdair Mhic Ailean, á uige, ’s an Eilean Sgiathanach. Thainig Alasdair Màrtuin do ’n dùthaich so anns a bhliadhna 1830. Thog e fearann anns an sgire so far an d’ rinn e dachaidh sheasgair da fhéin agus da theaghlach. Bha e measg a cheud fheadhainn a thùinich anns a phàirt so do’n eilean. Chaochail Alasdair Màrtuin bho chionn còig bliadhna. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa seachd aig àm a bhàis. Bha e thaobh a’ mhathar càirdeach do Chaimbeulaich Uige. ’Si Màri nighean Eoghann Chléirich bu mhàthair dha. Thuinich Alasdair mar thuirt sinn anns an sgire so. B’e Ailean an t-aon mhac a dh’ fhan maile ris air an àite agus mar sin a fhuair fearann agus dachaidh ’athar. Bha teaghlach mor aig Ailean. Bha e na bhantraich bho chionn àireamh bhliadhnachan, agus a nis tha e fhéin air a thoirt air falbh ’s tha chlann bhochd air am fagail gun athair gun mhàthair aca chum cùran a ghabhail diu. Ach cha ’n eagal daibh ma chuireas iad an dòchas anns an Ti agheall a bhi na athair do na dilleachdain. ’N uair thréigeas m’ athair mi gu tur ’S mo mhàthair fàs faraon Do ni an Tighearna an sin Mo thogail suas gu caoin. Chuir bas Ailean Mhàrtuin mulad air iomadh aon anns a sgire so. Bha e da fhichead bliadhna ’s a h-ochd deug a dh’ aois. Thuirt sinn nach d’ thainig fuachd mor air a gheamhradh so, ach ’s cinnteach gu bheil e dh’fheithibh oirnn fathast. “Cha dig fuachd gu ’n tig earrach.” Ach nuair thig e tha sinn ullaichte air a shon. Tha sinn nar cairtealan geamhraidh, connadh again air son teine, agus biadh gu leor ’san tir air son duine agus ainmhidh. Chan eil eagal gorta no lathaidh oirnn mar tha air na h-Armenianaich bhochda. Gaidheadh tha moran againn gearain ’s tha sinn an dùil gu bheil na h-aobhair againn. Ged tha pailteas anns an tir cha’n eil fèill, ach gann, air ni sam bith. Tha mar sin airgiod gann agus duilich a dheanamh. Cha’n eil e mar sin soirbh do ’n duine bhochd a chreideas a sheasamh. ’S taitneach na litrichean a thr thu toirt dhuinne á Alba, Sasuinn, New Zealand, agus iomadh cearn eile. Cumadh na càirdean ud air aghaidh a’ toirt dhuinn iomradh air cor nan Gàidheal anns gach àite anns am beil an còmhnuidh. Moran taing duit fhéin agus daibhsan a tha cho cuimhneach air sgriobhadh ad’ ionnsuidh. C. C. Strathalba E. P. I., Ian. 27, ’96. CAIRDEAN NA GAILIG:—Tha caraide do’n MHAC-TALLA a tha fuireach ann am fear de bhailtean mora nan Stàitean ag radh ann an litir a chuir e ugainn, gur h-aithne dha moran de Ghàidheil a tha gabhail orra fein gu bheil meas mor aca air cainnt an athar ’sam màthair, ach an deigh sin nach dùraig iad dolair a thoirt seachad air son cumail suas na cainnte sin ged is i a’s fhearr a th’aca. ’S duilich leinn a radh gur h-aithne dhuinn féin mòran dhe’n cheart sheòrsa sin, agus cha’n eil toil sam bith againn tuilleadh eòlais a chur orra. Cha’n eil sinn a meas gur càirdean do’n Ghàilig iad idir. Ann an Sina, nuair a bhithear air son corp duine a ghleidheadh, theid a chur ann an ciste mhòir, agus ti thioram air a dhinneadh uime. Tha e air a radh gun gabh corp cumail air an dòigh sin, fad àireamh mhor bhliadhnaichean. ’Se ar barail nach cuala moran de luchd-òl na ti iomradh air a’ so riamh roimhe, ’s theagamh gu’m bu cho math le cuid dhiubh gun a chluinntinn an dràsda fhéin. Is fhearr teicheadh math, na droch fhuireach. A Framboise, Ged a tha còmhdach math sneachda air an talamh, cha ’n urrainn sinn a ràdh nach robh na thàinig de’n gheamhradh anabarrach briagha. Cha robh de reathadh againn na dh’ fhag na deigheann an dad a bharrach ’sa bhi sàbhailte n’ gabhail fhathast ach mur tig fuachd ’san fhaoileach ’s dualach, gu ’n tig ’san earrach. Chaidh sàcramaid na suipeir a fhrithealadh ’san àite so air a cheud sàbaidh dhe’n bhliadhna so. Thòisich an t-seirbheis di-sathaìrne, a’ criochnachad di-luain. Bha àireamh mhath sluaigh cruinn ach bhiodh barrachd ann mur a b’e gu robh an t-òrdugh ceudna aig Grand River aig an aon àm. Tha Mr Hooper an duil an soitheach ùr a tha e ’togail a bhi deiseil gus a cur air sàl toiseach an t-samhraidh. ’Si so an coigibh soitheach deug a thog e, agus ’se ar barail gur h-i aon cho bòidheach ’sa thog e fathast. Tha i gu bhi ’ruith eadar na cladaichean so agus Halifax. Ged a dh’ fhaodas smachachadh an fhreasdail a bhi a chum ar leis, gidheadh bidh e air uairean cruaidh air fuil air feòil, gu h-àraid ’nuair a chi sinn ar càirdean a’s dillse ga ’n gearradh air falbh leis a bhàs. Air an naothamh latha deug de’n mhios so, chaochail Peigi, bean Dhòmhnuill ’Ic Leòid, (Domhnull Mac Dhòmhnuill òig) an deigh dhi bhi tinn ach òine glé ghoirid; bhà i na boirionnach glic tuigseach aig an robh meas nan uile chuir riamh eòlas oirre. Dh’fhag i fear agus teaghlach mòr na déigh ach ged a thug a bàs beàrna mhòr anns an teaghlach nach gabh am feasd a bhlair a lionadh, tha sinn ag altrum dòchas gu bheil i lionadh àite anns an teaghlach sin anns nach cur bàs am feasd dealachadh. Bha i da fhichead bliadhna sa dha a dh’ aois, CEANN LIATH. 28, 1, ’96. Aig pòsaidhean Iùdhach, tha a bhean air a’ cur na seasamh aig laimh dheis an duine, nuair a bhios iad air an stòl-phòsaidh. Am measg gach sluaigh eile ’sann air làimh chli an duine a bhios a bhean am feadh ’sa bhithear ’gam pòsadh. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 247] [Vol. 4. No. 31. p. 7] An Obair ’na h-am. Tha’n duine a’s glice bha riamh air an t-saoghal ag ràdh gu bheil àm ann air son gach ni fo’n ghrein. O’n a tha so sgriobhta anns a’ Bhiobull is ainneamh neach a ghabhas air fhein a dhanadas a radh nach eil e fior. Ach tha mòran ann a tha nochdadh gu soilleir le’n caitheamh beatha, agus le’n giùlan nach eil iad a toirt creideis no geill sam bith do bhriathran an duine ghlic. Is ainneamh leo car oibre a dheanamh aig an àm cheart. Tha da dhòigh ann air am faod muinntir a dhol cearr anns an ni so. Faodaidh iad teannadh ris an obair roimh ’n àm cheart, faodaidh iad gu’n teannadh rithe gus an teid e thar an ama. Mar is trice tha sinn a’ dol cearr ann a bhi leigeil leis an obair a dhol thar an ama. Uair is uair tha cion na foighidinn a’ toirt oirnn air lamh a chur san obair tuilleadh is tràth. Ma bheir sinn a’ chùis fa near gu ceart, chi sinn gu bheil sinn a’ deanamh dolaidh ro mhòr, aig iomadh àm, araon dhuinn fhein ’s do mhuinntir eile le bhith ’deanamh obair sam bith a th’againn ri ’deanamh aig an àm chearr. Aig an àm so de’n bhliadhna cha’n urrainn daoine mòran a dheanamh air an fhearann. Tha na laithean car goirid fhathast, agus a bharrachd air a sin tha e nàdurra gu’m biodh an t-sìde car fuar, fliuch, fiadhaich, le sneachda, le uisge, ’s le gaoith. Thaoth e tuilleadh is trath a bhliadhna gu teannadh ri curachd, ach tha iomadh obair eile ann a ghabhas deanamh mar a tha deasachadh an t-sil-chuir, agus oibrichean de’n t-seòrsa sin. Ma bhios gach crann ’s gach cliath, ’s gach amull, is greallag, is sìnte, deas ann an àm, cha’n eagal nach tig sìde fhreagarrach air son teannadh ris an àiteach. Cha bhi cuid an Fhir-riaghlaidh dhe’n obair air dheireadh idir. Tha fhios againn am fear nach cuir san earrach nach buain e san fhoghar; agus mar an ceudna gu’m bi a’ bhuain a reir na curachd. Their sinn uile gur e ’n t-earrach àm na curachd mar is e ’m foghar àm na buana. Cha bhiodh ann ach amaideas ro mhor teannadh ri sìol a chur anns an fhoghar. Cha chuala sinn gu robh neach riamh ann a bha cho amaideach ’s gu ’n d’fheuch e ri leithid so de ni a dheanamh. Chuala sinn gu math tric a bhith coimeas àm na h-òige ris an earrach. Is e am na h-òige an t-am a’s freagarraiche air son gach ceard fhòghlum. Cuirear a’ chlann do’n sgoil an uair a thà iad òg, agus tha fhios aig gach aon gu bheil e ro fhurasda ni sam bith fhòghlum an uaìr a tha muinntir òg. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh— “Is e ’n t-ionnsachadh òg A ni fòghlum gun taing.” Is ann an àm na h-oige a ’s còir a bhith ’g ionnsachadh modha, “Ge b’e nach ionnsaichear ris a’ ghlùn cha ’n ionnsaichear ris an uilinn.” B’ ann ainneamh a thionndaidh na boadagain bhalach a bha mì-mhodhail, luath bheulach ’nan òige, gu bhith ’nan daoine còire, modhail iomchuidh, ’nan seanaois. Tha e furasda gu leòr na meanglain a th’ air a’ chraoibh a lùbadh fhad ’s a tha iad òg, maoth, ach mar a tha ’n sean fhacal ag radh—“An car ’bhios anns an t-seana mhaide is deacair a thoirt as.” F. O. S. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 248] [Vol. 4. No. 31. p. 8] A CHOILLE GHRUAMACH; ORAN DO DH-AMERICA. FONN:—“Coire Cheathaich.” (Air a leantuinn.) Cha ’n fhaic mi margadh no latha féille No iomainn feadalach ann an dròbh, No nì ’ni feum dhuinn a measg a chéile, Tha ’n sluagh nan éigin ’s a h-uile dòigh, Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbh fhiach A reic na shealbhaich iad ann an còir: Bidh fear nam fiachan is cromadh cinn air Ga chur do’n phrìosan mar diol e ’n stòr. Mu’n tig na cùisean á taigh na cùrtach Gu’n déid an dùbhlachadh aig á mhòd, Tha’n lagh a giùlan o làimh na Gu’n déid a spùinneadh ’s nach fiù e’n còrr, Bidh earraidh siùbhlach air feadh na dùthcha G’an ruith le cunntasaibh air an tòir; Gur mòr mo chùram gu’n dig e ’m ionnsaidh Cha ghabh e diùltadh ’s bidh diùbhail oirnn. Cha’n fhaigh mi innse dhuibh anns an dàn so Cha dean mo nàdar a chur air dòigh Gach fios a b’ àill leam ’thoirt do na càirdean ’S an tir a dh’ fhàg mi ’rinn m’ àrach òg, Gach aon a leughas e tuigibh reusan ’S na dugaibh éisdeachd do luchd a bhòsd, Na fàidhean bréige a bhios gur teumadh, Gun aca ’spéis dhibh ach déidh ’ur n-òir. Ged bhithinn dichiollach ann an sgriobhadh Gu’n gabhainn miosa ris agus còrr Mu’n cuirinn crìoch air na bheil air m’ inntinn. ’S mu’n dugainn dhuibh e le cainnt m bheòil. Tha mulad diomhair an déidh mo lionadh Bho’n ’s éigin strìochdadh an so ri m’ bheò. Air bheag thoilinntinn ’s a choille chruim so Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl. Cha b’e sin m’ àbhaist an tùs mo làithean ’S ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd, Gu cridheil sunndach an comunn cùirteil A ruith ar n-ùine gun chùram oirnn, Muair thug mi cùl ruibh bha mi ’gur n-ionndrainn Gu’n shil mo shùilean gu dlùth le deòir, Air moch Diar-daoin a dol seach an Caolas ’S an long fo h-aodach ’s a’ ghaoth o’n chòrs. ORAN NA BAINNSE. LE DUGHALL MAC-EACHEARN. Tha mi ’n so ’n taigh ua bruaiche, ’S gur mor mo ghruaim is m’ aimeàdas, ’S mo smaointinnean cho luaineach Ri luing air chuan gun mharaiche. Cha chadal seimh ’s cha suain domh, ’S mi smaointinn air a ghruagaich; An raoir gu’m b’ oil leam bhuam thu, ’S tu air a chuairt ’tha fadalach. Gur muladach a tha mi, ’S mi ’n so san fhardaich ansheasgair, Gun sunnd, gun cheol, gun ghaire, ’S cha b’ abhaist dhomh bhi falamh dhiu. Tha cuid de m’ thinneas nadarr’, S cuid nach h-’eil fios aig cach air; Mo cheann ged bhiodh gu sgaineadh, Do lamh gu’m fagadh fallain e. Gum bu slan do’n og-mhnaoi Di-domhnaich ’dh’ fhalbh o’n bhaile so: Gum b’ aite leam bhi comhl’ riut Na ’g ol air fion a searagan. Cha ’n ionghnadh dhomh bhi bronach A cuimhneachadh do chomhraidh; ’S ma tha fear ur ga d’ phogadh, ’S ann leam nach deoin ma mheallar thu. ’S ged thuirt mi sud le curam. Gur dubailt’ ann am barail mi, Ged bhiodh tu bliadhna ’dh’uin’ bhuam. Fear ur nach dean do mhealladh orm. Gur h-earbsach mi mu d’ ghiulan: Ged tha mi ’n drasd ga t’ iunndrainn. ’S ged chaidh thu bhuainn Cheip Louis, Mo dhurachd-s’ thu thigh’nn fallain as. Nuair ’chaidh mi ’thaigh na bainnse, ’S mi ’n duil gu teann ri t’ fhaighinn ann, Bha cuideachda neo-ghann ann, Gun robh thu ann b’e m’ amharus. Ged shiubhail mi gach ceann dheth, ’S mi ’g ionndrainn air mo chall as, Cha’n fhaca mi ann m’ annsachd. ’S ged dh’ fhan mi ann b’e ’n t-aindeoin e. Shuidh mi an sin gu bronach, ’S cha robh mi deonach carachadh, ’S mi smaointinn air an og-mhnaoi Nach leonadh mi le aineolas. Ach suil mu’n dug mi foil bhuam ’S mi ’cluinntinn glug is cronain Bha ’m botul dubh air sgornan Aig Uilleam og, an caraiche. Thuirt e gu caoimhneil, uasal, “Mun cuairt a chuach gu caithreamach, ’S gu looir ann de ’n stuth uaibhreach A chumail gluasad teanga ruinn.” Gun d’ rinn e mar a b’ aill leis, Gun d’ lion e mach gu straic i, ’S air eagal trod no tamailt, Gun dug mi earrach ghlan oirre. Cha luaithe dh’ ol mi ’n dram sin Na thug mo cheann gu carachadh. Bha ’n fhiodhull ’s i ’n a deann-ruith ’S mi ’sanntachadh nan caileagan. Mo chasan chaidh gu aimhleas, Is gann gun cumadh sreang iad; ’S nuair chaidh mi uil’ air aimhreit Gun damhsainn ris na faileasan. Is gum bu slan do’n uasal A lion a chuach gu barrachdail, Is a chuir oirnn an t-suaineach A dh’ fhogair bhuainn gach anshocair. Cha mhill e ’m beus bu dual dhuit ’Bhi cridheil, aobhach, suairce, ’S do chairdeas ris na h-uaislean Nach d’ bhuaineadh de ’n phreas anabaich. Cha’n fhaca mi fad m’ eolais ’Na shuidh’ aig bord ’thug barrachd ort; B’ e sud an cliu ’bu choir dhuit, ’S chan neonach ged a lean e riut, Bha tuigse, ciall, is foghlum Gu nadarra ga d’ sheoladh, ’S gun fhacal breig’ no boilich, Cha sgleo na tha mi ’g aithris ort. (Ri leantuinn.) Is fhearr tilleadh am meadhon an àtha, na bàthadh uile. NIALL DOMHNULLACH Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 249] [Vol. 4. No. 32. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 15, 1896. No. 32. CANADA. Tha Chanada a thaobh farsuingeachd fearuinn, a measg nan duthchanan a’s motha, ’s a’s farsuing ’s an t-saoghal—moran na ’s motha na Staidean America fhein, ge ainmeil iad, agus mu’n cuairt air an aon mheud ris an Roinn-Eorpa gu leir; agus cha ’n ’eil a nise a dhìth oirre ach an luchd-aiteachaidh airson a cur a measg nan duthchanan ’s cumhachdaich ’s a’s beartaiche. Tha de dh’ fhearann fàs eadar na mor-roinn ss, ni nach teirig ann an aireamh mor bhliadhnachan, agus fearann cho math agus cho torach, ’s a tha ri fhaighinn an aite ’s am bith, agus cho fallainn ri aon chearna de ’n t-saoghal. Tha sinn a toirt na leanas á Cuairtear nan Gleann, a bha air a chur a mach ’sa bhliadhna 1841. Tha chuid mhor dheth cho fior mu’n dùthaich an diugh ’sa bha e ’n uair a sgriobhadh e. Cha’n eil Canada fhathast ach ’na h-òige, ach tha i ’g eiridh gu luath’ ann an luach agus ann an cumhachd, agus gu dearbha cha’n iongantach so, oir tha iomad ni a’ co’ aontachadh chum soirbheachadh leis an dùthaich mhòir so. Tha i air ioma dòigh air a beannachadh le freasdal Dé; agus uair no uaireiginn bidh Canada ’na dùthaich co mòr ’s cho cumhachdach ri Breatuinn fein.* Tha’n tir so anabarrach tarbhach, agus nam biodh a’ choill’ air a’ gearradh agus an tir air a h-àiteachadh, ’s duilich a radh cia lionmhor an sluagh a dh’fhaodadh tamh ann le cothrom, agus ann am pailteas. Cha ’n eil sléibhtean arda lom neo-thorach fo chreagan agus fo fhraoch ann mar th’ann an Gàidhealtachd Albainn, no boglaichean anns mòintichean farsuing nach urrainnear a chur gu feum mar th’ann an Eirinn; ach faodar an dùthaich uile chur fo bhàrr agus fo fheur cosmhail ri machraiche na Galldachd, no Shasunn. Am bitheantas tha’n dùthaich còmhnard iosal, agus far am bheil beanntan, ma dh’fhaodar beanntan a radh riutha tha iad fa choille gu ’m mullaichean. ’Se ni a’s iongantaich’ ann an Canada na lochan uisge tha th’ann: a thaobh am meud agus an doimhneachd tha iad a toirt barr air lochan-uisge ’n t-saoghail; tha gach loch dhiubh mar chuan mhor. Tha tri no ceithir dhiubh so dlùth d’a chéile; agus a’ tearbadh Chanada uachdrach o America tha air an taobh eile. O loch gu loch dhiubh so tha aibhnichean a’ ruith, a’meudacha’ gu mor mar tha iad a’ dol air an aghaidh, gus a bheil an abhainn mhòr d’an ainm an St. Lawrence a tòiseachadh. Tha’n abhainn so dlùth do cheud mil’ air leud far a’ bheil i ruigheachd a chuain. Tha da mhile do mhìltean on àit’ o’m bheil an abhainn mhòr so ag éiridh, ’ìonnsuidh an àite ’bheil i ’coinneachadh na fairge. Tha abhainn mhor eile ris an abair iad an Ottawa; an déigh dhi ruith ceithir cheud gu leth mìle troimh thìr cho tarbhach ’sa tha r’a fhaotainn, agus troimh choille cho dosrach reachdmhor ’sa tha cinntinn air ’thalamh, a’ tuiteam a stigh do’n aimhin St. Lawrence. Anns an àite far a bheil iad a’ comhlachadh a cheile, tha eileanan luachmhor, agus ’sann air a h-aon dhiubh sin a tha baile-mor Montreal air a thogail. Tha e soilleir o so gu bheil air na lochan-uisge so agus air na h-aibhnichean so slighe fad fichead ceud mìle, a’ ruith suas o iochdar gu braighe na dùthcha, air am faodar malairt agus marsantachd an t-saoghail a ghiulan. Anns na h-àiteachan sin far a’ bheil aon loch a tuiteam a stigh, agus le so leum-uisg ann nach leig le soitheach dìreadh no tearnadh, tha claisean-uisge (canals) air an deanamh, air a bheil na soithichean air an giulan air an aghaidh gun mhoille no grabadh air bith a’ tachairt. Tha fearainn na duthcha so tarbhach, ’san duthaich féin fallain; ged tha ’n t-sìd fuar, tha i tioram, agus math-dh’fhaoidte nach eil ceatharanaich a’ seasamh air bonn bròige cho calma, churanda, làidir ri Gàidheil Chanada. Cha’n eil pòr a chinneas an Sasunn nach fàs ’san duthaich so; tha cuid do thalamh ann ’san cinn an tombac’ agus cainb. Airson coille tha i’n so do gach seòrsa; ’se saothair an t-sluaigh bhi ’ga gearradh chum a sgrios, agus ’ga losgadh. Tha ’chraobh-ubhall a’ fas ann an Canada gu reachdmhor; tha iad a beathachadh mhuc leis na h-ubhlan, agus a’ deanamh na thogras iad do dh’fhìon (cyder) dhoibh féin diubh, deoch tha taintneach fionnar ri teas an t-samhraidh. Tha’n geamhradh, mar chi sinn ’na dheigh so, anabarrach fiadhaich agus fuar; ach aon uair ’sgu’n tig a reothadh gu math a stigh tha’n t-sìde tioram fallain. Tha sneachd an sin cho cruaidh ’sgu’n ruith eich le slaoid agus cuirn air ’uachdar ’nan làn luathas gun uiread a’s lorg an coise fhegail.* So an t-àm an àbhaist am bàrra chur gu muileann ’sgu cladach, àm, chum na h-uile gaoireas fhaotainn o aiteachan fad as; tairngidh aon each le carn no slaod, barrachd air an àm so na dheanadh ceithir dhiubh air an rathad mhòr ’san t-samhradh. ’Se so au t-am a’s cridheala sa’s aighearaich’ air feadh na bliadhna: cairdean a’ falbh ’sa tighinn, sùgradh agus suilbhearachd, taghall agus ceilidh eadar bhailtean, pailteas r’a fhaotainn ’s r’a sheachnadh, agus tha’n aoidheachd agus an fhialaidheachd a’s cairdeala dol air aghaidh. Mur ’eil aite-codail sna tighean-comhnuidh a dh’ fhòghnas doibh uile, tha ann na dh’ fhoghnas do na mnathan, agus tha “leaba mhòr na h-àiridh” ann an sabhal fiodha air son nan daoine; tha ceòl agus dannsa, orain agus fleadhachas càirdeil a’ dol air aghaidh; agus mar sin, le leughadh agus seanachas, tha ’n oidhche gheamhraidh a’ dol seachad. [TD 250] [Vol. 4. No. 32. p. 2] BEAN A’ MHISGEAR. CAIB. II. “Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.”—Gnath. 23. 21. An uair a bha e ’dlùthachadh ris an da uair deug thainig Seumas, agus e gu math blàth leis an dibh. O’n a b’e so a cheud uair riamh dhi fhaicinn cho fad air aghaidh leis an dibh thuirt i rithe fhéin nach leigeadh i oirre air son rud sam bith gu robh dad cearr air. Chunnaic i uair is uair e roimhe sid a’ tighinn dachaidh air latha pàighidh, agus fàileadh an uisge-bheatha gu làidir dheth, ach cha do ghabh i mor-shuim sam bith de’n chùis. Chuir an suidheachadh anns an robh e’n oidhche so ioghnadh mòr oirre, gu sònraichte do bhrìgh gu robh e cho searbh an aghaidh gach neach a ghabhadh deur a bharrachd. Ach is ann a bha ’n t-ioghnadh oirre an uair a chunnaic i cho mi-mhodhail ’sa dh’fhàs e leis an dibh. ’Sann a bha e airson aimhreit a thogail. Cha do chuir i facal na aghaidh, agus an deigh dhi toirt air greim suipearach a bha deiseil air a choinneamh a ghabhail, thug i air, a dh’olc no dh’eiginn a dhol a laidhe. Ma chaidil esan cha do chaidil ise. Cha b’urrainn di an suidheachadh anns an robh e, agus an t-atharrachadh a thàinig air an nadur a chur bhar a h-inntinn. Dh’éirich i gu math moch ’sa mhaduinn, agus rinn i deas am biadh ’s chuir i ’chlann ’san taigh air dòigh mu’n do dhùisg i Seumas. An uair a dh’éirich e bha e glé shàmhach. A reir coltais bha dùil aige gu’n troideadh i ris. Bha fhios aige gu’n deachaidh e fada, fada, cearr. Bha amhrus aige gu’n dubhairt e facail nach bu chòir dha radh an uair a thainig e dhachaidh an oidhche roimhe sin, ach cha robh cuimhne aige air na ceart bhriathran. Cha leigeadh an nàire leis iomradh a thoirt air a’ chùis. Dh’ aithnich e gu robh dragh inntinn ro mhor air Seònaid. Cha robh bheag aice ri ràdh. Bha ’chlann, na truaghain, cho geanail sunndach ’sa b’àbhaist dhaibh, agus mur do mheudaich so dragh inntinn am màthar cha do lughdaich e dad e. An uair a shuidh i aig a bhòrd cha b’urrainn i greim itheadh; agus cha mho a b’urrainn Seumas greim a ghabhail. Bha e mar is minic a bha iomadh fear a bharr air, an deigh a chàileachd do’n bhiadh a chall air thàilleamh na dh’òl e ’n oidhche roimhe sin. Dh’fhalbh e mar a bha e thun ’oibreach; ach an déigh dha an obair a ruighinn cha b’urrainn e làmh a chur ann an car. Cha robh aige ach tilleadh dhachaidh. Air an rathad dhachaidh bha e ’toirt fa near an t-suidheachadh anns an robh e. B’eiginn dha aideachadh ’na chridhe gu robh e air fàs déigheil air an dibh làidir. Thoisich e air bòidean a thoirt nach blaiseadh e i gu bràth tuilleadh. An uair a ruigeadh e dhachaidh bha e dol a dh’iarraidh mìle mathanas air Seònaid airson mar a rinn e, agus gu sònraichte air son cho mi-iomchuidh ’sa ghluais e e-féin an oidhche roimhe sin. An àm dha bhith tionndadh oisinn té de na sràidean, co thachair ris ach Callum Mac Sheòrais ’se air tighinn a mach á taigh-òsda. B’e Callum aon de na fir a b’fhearr a dh’òladh a gheibhte ach ainneamh anns a bhaile. Bha e anabarrach fialaidh mu’n uisge-bheatha; agus bha e ’na dhuine gle aoidheil, geanail, cuideachdail. Bha e fhein agus Seumas ùine mhath aig an aon mhaighstir, agus bha iad gle mhor aig a cheile. O nach robh bean no paisdean aig Callum cha robh sòradh air cosgais an uair a thachradh e ri aon de ’chompanaich. Dh’fhaodadh Seumas Ban a ràdh nach b’fheairrd e bhith cho fada ann an comunn Challuim. Beagan mhionaidean mu’n do thachair iad ri ’chéile bha Seumas ’ga radh so ris fhéin, agus bha e toirt air fhéin a chreidsinn nach gabhadh e glaine á laimh Challuim gu bràth tuilleadh. Ach cha do thuig e gu robh e air falbh cho fada leis an t-sruth ’sa bha e. “Hollo ’charaid. Cia mar a tha thu? Cha mi ruig leas a cheist a chur ort; tha mi faicinn nach eil coltas a bhith gu math ort.” arsa Callum. “Ma ta ’Challuim,” arsa Seumas, “Cha’n eil mi gu math idir. O’n is tu fhéin a th’ann innsidh mi dhuit ciod e tha cearr orm. Chaidh mi dhachaidh a’ raoir air an daoraich, rud nach d’rinn mi riamh roimhe, agus tha amhrus agam gu’n dubhairt mi facail ris a’ mhnaoi nach bu chòir dhomh a ràdh rithe. Tha so a’ cur dragh ro mhòr air m’inntinn. Nach bochd dhomh mo mheas agus mo chliù a chall. Rud eile dheth tha e na pheacadh dhomh a bhith caitheamh mo thuarasdail ann an òl. Nach bu ghlice dhomh a chur air chùl mo laimhe airson na mnà agus nam pàisdean? Agus tha e ’na pheacadh an aghaidh Dhe.” “Ma ta, Sheumais, a charaid,” arsa Callum, “tha rud eile a cur dragha ort nach d’innis thu, agus ’se sin gu bheil do stamac troimh a chéile an deigh na daoraich a ghabh thu a raoir. Thig còmhladh riumsa do’n taigh-òsda aig Hart, agus gheibh mi fhéin deur beag a leighiseas tu. Cha dean ni air an t-saoghal feum dhuit ach deur de’n stuth cheart. “An cluinn thu so, a Challuim, thug mi bòidean tiotadh mu’n do thachair thu rium nach blaisinn tuilleadh e. Ma tha thusa ’nad charaid dhomhsa na toir orm na boidean a bhristeadh,” arsa Seumas. “Tha thu gorach, a Sheumais, mur a gabh thu uamsa deur beag. Cha’n fhàg e cnead ort ann an còig mionaidean. Tha fhios agamsa air mo chosg gur e’n aon rud a leighiseas neach a tha mar a tha thusa. An uair a thig sinn a mach thoir do bhòidean cho teann ’sa thogras tu ’n uair sin,” arsa Callum. ’Se bh’ann gu’n deachaidh na fir far an robh Hart agus mu’n d’thainig iad a mach fhliuch iad an da shùil da uair. Dh’fhalbh bòidean Sheumais Bhàin leis an t-sruth mar a dh’ fhalbh gu leòr de’n seòrsa, araon roimhe sud, agus o’n uair ud, do bhrìgh nach robh ni bu treise na cumhachd an t-saoghail so ’gan cumail. Mu àird fheasgair an uair a dh’ fhuaraich e chaidh e dhachaidh. Bha Seònaid agus i’n déigh an taigh agus a’ chlann a chur air dòigh gu grinn, glan mar a b’àbhaist dhi. Ach bha i anabarrach sàmhach. Bha dùil aig Seumas an dràsta agus a rithist gu’n tugadh i iomradh air daoraich na h-oidhche roimhe sin; ach cha d’thug i uiread ’san iomradh bu lugha ris mu ’n chùis. Nan robh iomadh té ’na h-àite bha e air an deagh chàineadh fhaolainn gu math moch ’sa mhaduinn. Ach bha Seònaid ro reunail, ciùin, glic ’na nàdur. Bha fhios aice nach b’àm gu comhairle a thoirt air neach sam bith an t-àm anns am biodh a h-inntinn troimh a cheile. Bha ni eile innte agus b’e so e:—chuireadh rud beag dragh oirre aig iomadh àm ni bu luaithe na chuireadh rud mor dragh oirre aig amaibh eile. An uair a bhiodh dragh mor air a h-inntinn dh’fhàgadh e anabarrach sàmhach i. Is ann an ceann latha no dha, no ma dh’fhaoidte, an ceann seachduin a bheireadh i iomradh air a chùis mu’n tugadh i earail no cronachadh seachad. Bha so glé ghlic dhi; oir mar is trice, an uair a tha muinntir ann an corruich their [TD 251] [Vol. 4. No. 32. p. 3] iad iomadh facal nach canadh iad an uair a tha iad ciùin, sèimh, sìobhalta. An uair a fhuair i a h-àm fhéin thug i, mar a bha e ceart dhi dheanemh, comhairle na còrach air Seumas. Anns an ath àireamh innsidh sinn cuid de na thubhairt iad taobh air thaobh. (Ri leantuinn.) An Caoimhneas a ni Cron. An caoimhneas a ni cron! Nach iongantach a chainnt so, their neach àraidh! Tha e fìor gu leòr gu bheil iomadh ni ann a tha ’g eiridh o chaoimhneas, ach air a shon sin, a ni cron gu leòr. Dh’fhaodamaid caochladh nithean ainmeachadh; ach aig an àm so cha toir sinn fa near ach aon ni sònraichte, a tha mu’n àm so de’n bhliadhna a’ deanamh cron air iomadh neach. Tha e nàdurra gu leòr dhuinn a bhith subhach maille ri ar càirdean an uair a thachras dhuinn a bhith ’nan cuideachd. Ach ma bhitheas an subhachas na mheadhon air sinn fhéin, no ar càirdean a tharruinn a dh’ionnsuidh uilc, no droch cleachdaidh, tha e soilleir gu leòr dhuinn gu’m b’fhearr dhuinn a chùis a sheachnadh o thoiseach a’ cheud latha. Their cuid gu bheil e ceadaichte dhaibh an ni ud ’san ni ud eile dheanamh. Tha so uile fìor; ach tha e mar an ceudna fìor gu bheil iomadh ni ann a tha ceadaichte nach eil idir iomchuidh. Abramaid an còmhnuidh ruinn fhéin an uair a thig ni sam bith fa’r comhair mu thimchioll am bi sinn ann an teagamh. Am bheil an ni so a raon ceadaichte agus iomchuidh dhuinn a dheanamh! Ged a bhiodh e ceadaichte, mu h-eil e iomchuidh seachnamaid e. A nis, faodaidh sinn a bhi subhach maille ri ar càirdean agus aig a’ cheart àm gun chron sam bith a dheanamh. Cha’n eil cron sam bith ann an subhachas fhad ’sa tha e saor o’n olc. Ach tha cuid ann, agus le meud a’ chaoimhneis a tha toil aca nochdadh, teannaidh iad ri coiteach na dibhe làidir air an càirdean. Is minic a thachair gu’n do ghabh daoine tuilleadh ’sa chòir de’n uisge-bheatha, cha b’ ann a chionn gu robh toil aca dha, ach a chionn gu’n do choitich an càirdean orra e. Mar an ceudna tha muinntir ann a dh’fhaodas a ràdh gur ann o’n choiteach so a dh’ fhàs iad dèidheil air an dibh làidir. Aig àm na Nollaig, tha e mar chleachdadh aig mòran a bhith falbh o thaigh gu taigh moch anns a mhaduinn, agus a’ coiteach an uisge-bheath air muinntir a’s toil leò. Is ann o chaoimhneas a dh’éirich àn cleachdadh so; ach mar tha fios aig mòran, is e caoimhneas an ni cron a th’ann. Cha’n eil sinn ag ràdh gu bheil coire sam bith ann do chuid de dhaoine ged a bhlaiseadh iad uair is uair air beagan de’n dibh làidir. Ach cha’n eil e sàbhailte do mhòran gnothach sam bith a ghabhail ris. Cha’n ’eil e idir ceart a bhith ’g a thairgse do’n mhuinntir òig. Ma ’s ann le caoimhneas a thairgear dhaibh e, is e caoimhneas a ni cron a th’ann. Faodaidh e bhith nach bi cuid de dhaoine toilichte leinn a chionn a bhith toirt iomraidh air nithean de’n t-seòrsa so; ach fhad ’sa chi sinn an cunnart mu’n cuairt oirnn fhéin ’s air muinntir eile, feumaidh sinn rabhadh a thoirt seachad. Biomaid uile caoimhneil ris na h-uile, ach thugamaid an aire nach dean ar caoimhneas cron do neach air bith. Ma ni sinn so cha’n eagal nach bi sinn caoimhneil; ach cha dean ar caoimhneas cron air neach sam bith. An àite so ’sann a ni e moran math. F.O.S. Deas Fhreagairtan. Bha na bàird Ghàidhealach, mar tha fhios aig na h-uile neach d’an aithne ni sam bith mu’n chùis, anabarrach deas aig labhairt gu’n ullachadh, no a bhàrr-làimh, mar theirear; agus is minig a chuala sinn duanagan, a chuireadh ri chéile air an dòigh so, cho fileanta snasmhor ’sged bhiodh iad air an deacadh le tuilleadh saothrach agus ùine. Chuala mi aon uair mu bhalachan bochd a chaidh a steach do thaigh anns an robh bean chruaidh-chridheach aig nach robh baigh no iochd ris na feumaich, a chionn nach do mhothaich i féin riamh ciod e bhi ann an uireasbhuidh. Air di sealltuinn gu h-àrdanach tàireal air a bhalachan bhochd a thainig a stigh, labhar iad ri chéile mar so:— ISE.—Cia as thàinig am bradaidh truagh? ESAN.—As a’ bhuaile mhaiseich mhin. ISE.—Is bochd ’sis tana do ghruaidh. ESAN.—Cha bhi tuar air cion a’ bhidh. ISE.—Nam bithinn-sa mar tha thu, ’smi gu’n goideadh. ESAN.—Ged bhitheadh tu mar tha mi, ’siad nach leigeadh. ISE.—Bu bhàrd, tha mi saoilsinn, a b’athair dhuit. ESAN.—Cha b’àrd e, ’s cha b’iosal, ach mu’n mheud mheadhonach. A reir innseadh-sgeòil, bha’n Leanabh Ileach (mu’n cuimhne leinn iomadh ni a chluinntinn o ar sinnsear, ’nuair bha sinn òg, a chuir ioghnadh nach bu bheag oirnn aig an àm sin) air leth ainmeil air son seòltachd agus seannachaidheachd nam freagraidhean a bha e cleachdadh a thoirt seachad anns a’ ghne bhàrdachd so. Bha e air a shàrachadh ma’s fior an aithris, le droch mhuime, a bha buinntinn ris cho an-iochdmhor, ’sgur gann nach robh i ’ga chur gu bàs leis an acras. Ach bha i ’g oidhirpeachadh so a chleith mar b’fhearr a ghabhadh deanamh. Aon la air an d’thainig na coimhearsnaich a stigh, air dh’ise a ghruaidhean a dheanamh ruiteach le ’aghaidh chumail ris an teine, agus reamhreachd a chur timchioll a bheòil, a chum ’sgun saoileadh a’ mhuinntir a thainig a stigh gu’n robh i ga altrum cho caoimhneil ’sged bu leatha féin e, bhruidhinn a muime ris, agus fhreagair an leanabh sicir so i mar a leanas:— ISE.—’s ruiteach sin, a ruiteachain. ESAN.—’Se’n teine mor a loisgeas mi. ISE.—’S rapach sin, a rapaichain. ESAN.—Cuir thar mo bheul a’ mheacharachd. A thuilleadh air an tapachd a tha ri fhaicinn air uairibh ann an duanagaibh a chuireadh ri cheile gun ùine gun smuaineachadh mu’n deibhinn roimh làimh ’s minig nach robh an ealantachd cainnt so idir neo-fheumail. ’S cuimne leinn i bhi air a cleachdadh aig àmaibh sònraichte chum muinntir a shaoradh o chunnairt agus o éiginn. Co nach cuala mar chaidh Cailean a chumail o dhol a làimh, leis gu’n do chluich am piobaire am port sin, “A Chailean mo rùn, seachainn an Dùn,” &c.?—agus mar nach d’amais an nàimhdean fuileachdach air buidheann do chloinn Ghriogair threun, ’nuair sheinn a’ bhean aig an robh iad ’na taigh, “’S mi a’m shuidhe ’an so m’onrachd, air còmhnard an rathaid,” &c.? Cha’n ainmich mi aig an àm so ach aon chùis eile, anns an robh luinneag de’n t-seòrsa cheudna ’na mheadhon air beatha neach a shàbhaladh. Thachair do dhuine àraidh a bha air thuras a tighinn ’san anmoch a dh’ionnsuidh tighe, far a d’iarr e cead fantainn ré na h-oidhche. Thugadh aoidheachd dha gu suilbhir; agus an déigh àm suipeir chuireadh a luidhe e ann an leaba chliumhar shocrach a dh’ ullaicheadh air a shon. Ach goirid an deigh dha e féin a leigeadh sios gu fois, thòisich a bhanaltrum a bha ’san tigh air cronan a ghabhail do’n naoidhean a bh’aice air a glùn, mar gu’m biodh i ga chur a chadal; agus air dha beachd a ghabhail air na briathraibh a bha i ’g aithris, b’ ioghnadh leis i bhi sior sheinn— Aoidh, na dean cadal idir; Aoidh, thoir as ris an tom; Seall a stigh fo bhruaich do leaba, ’S gheibh thu gàirdean rag ’se trom. Cho luath ’sa chuir an coigreach umhail nach robh na h-uile ni ceart, dh’eirich e le cabhaig, chuir e ’lamh a stigh fo’n leaba, agus air dha an “gàirdean rag ’se trom” fhaireachdainn ann, leum e mach troimh uinneag a bha ’san ’t-seòmar, agus thar e as le bheatha. [TD 252] [Vol. 4. No. 32. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 15, 1896. Rinn Morair Salisbury, Priomhair Bhreatuinn, òraid air an t-seachdain s’a chaidh a thaobh suidheachadh Armenia, òraid nach do thaitinn ach gu h-olc ris a chuid a’s mò dhe’n t-sluagh. Tha e ag radh nach urrasnn Breatuinn an còrr a dheanamh as leth nan Armenianach, gu bheil a lamhan ceangailte anns a’ chùis. Tha Russia a’ diùltadh dad a dheanamh an aghaidh na Tuirce; tha’n Fhraing ’sa Ghearmailt an aghaidh rioghachd sam bith a dhol ’san eadraiginn. Tha Breatuinn a mhàin deònach pàirt an t-sluaigh bhochd a ghabhail, ach ma ni i sin, bidh cach uile na h-aghaidh. Tha Salisbury uime sin dhe’n bheachd gur fhearr foighdinn a bhi aca ris an t-Sultan, na dhol a dh’fheuchainn neart ris, agus mar sin fearg nan rioghachdan eile a dhùsgadh an aghaidh Bhreatuinn. Cha bhiodh e ach fior ghòrach do Bhreatuinn feuchainn, air a laimh fhéin, ri cùisean a chur ceart ann an Armenia nuair a tha mhòr chuid de’n Roinn Eòrpa na h-aghaidh. COMUNN GAILIG INBHIRNIS.—Bha an Dinneir Bhliadhnail aig a’ chomunn so air Di-màirt, an ochdamh latha fichead dhe’n mhios s’a chaidh. Bha Mr. Bàillidh, fear-parlamaid siorrachd Inbhirnis, anns a chathair. Bha moran as gach cearna dhe’n t-siorrachd a làthair, agus dh’ òladh na deochan-slàinte àbhaisteach, agus rinneadh òraidean nach bu ghann. Cha’n eil teagamh nach e Comunn Inbhirnis an Comunn Gàilig a’s làidire ’s a’s beothaile tha ’n Albainn. Chuir àireamh mhath de’n luchd-gabhail a stigh pàigheadh bliadhna o’n thainig a bhliadhn’ ùr, ach feumaidh sinn a radh nach robh an àireamh a rinn sin cho lionmhor ’sa bha dùil againn a bhitheadh iad, no idir cho lionmhor ’s bu chòir dhaibh a bhi. Tha sinn an dochas gu’n dean iadsan a tha air ais ’san ni so ar leisgeal a ghabhail air son a chur ’nan cuimhne aon uair eile gu bheil dleasanas aca ri dheanamh a thaobh cumail suas MHIC-TALLA. Faodaidh am fear-deasachaidh ’san clo-bhualadair an cuid féin a a dheanamh, agus a dheanamh le’n uile dhìchioll, ach mur dean an luchd-leughaidh an cuid-san cha’n fhaigh am paipear air adhart ach glé mheadhonach. Cha’n eil tlachd sam bith againn ann bhi bruidhinn air so cho tric, ach “an ni nach cluinn a’ chluais, cha ghluais an cridhe,” agus uime sin feumaidh sinn iomradh a thoirt air, neò ni moran da’n luchd-gabhail dearmad oirnn gu buileach. Tha’n clag a bh’aig na Frangaich ann an seann bhaile Louisbourg an dràsta ann a’ Halifacs, agus thatar a’ dol ’ga reic. Tha bruidhinn aig Frangaich Chuibeic air a cheannach agus a chur ann an tigh-ioghnaidh ’nam measg féin. Tha cuid de mhuinntir Halifacs ag iarraidh a cheannach ’sa chumail far am bheil e. ’Se phris a thatar ag iarraidh ceud dolair. Tha crois a bh’air an eaglais mhòir a bha aig na Frangaich ann an Louisbourg ri faicinn fhathast ann an oil-thigh Harvard anns na Stàitean. Bidh gach aon dhiubh so a dol na’s luachmhoire ann an sùilean dhaoine a h-uile bliadhna. Tha baile-mor Lunnainn a cheithir uiread ri baile Chicago, gidheadh bha deich muirt air a dheanamh ann an Chicago air a bhliadhna ’sa dh’fhalbh mu choinneamh gach aon a rinneadh ann an Lunnuinn. ’Nuair a tha neach fo bhratach Bhreatuinn, tha bheatha ’sa chuid na’s sàbhailte na bhitheadh iad ann an dùthaich sam bith eile a tha fo’n ghréin. Reicidh D. J. Domhnullach, na th’ air fhàgail de’n bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saor ’sa ghabhas deanamh. Taghail aige. Thuit torr math de shneachda oidhche Dior-daoin agus an dé. Cha’n eil teagamh nach dean sin na ròidean na’s miosa na tha iad an dràsda. Bha muinntir Shidni ag ullachadh air son reis each, ach millidh so an deigh orra. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC. An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc. Baile-Sheorais, Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 253] [Vol. 4. No. 32. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thaing corp fear Iain Mac Isaic, duin’ òg a mhuinntir Port Morien, dhachaidh air na carbaid oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean ann am Boston far ’n do chaochail e le tinneas sgamhain. Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt gu bheil Sir Oliver Mowat a dol a leigeadh dheth a bhi na Phriomhair air Ontario. Tha e anns an dreuchd sin o chionn ìomadh bliadhna. Tha iad ag radh nach eil e ach ann an droch shlàinte. Bha stoirm agus uisge uamhasach aca ann an cearna de dh’ Astralia o chionn ghoirid. Tha e air a mheas gu’n do chuireadh as do fhiach da mhuilein dolair leis an stoirm. Rinn an stoirm cheudna call mor anns na h-eileanan. Tha comhairle na Siorrachd cruinn air an t-seachdain so. Bha iad cruinn air a mhios a dh’ fhalbh, ach ’nuair a thainig e mu’n cuairt gu robh aig an t-siorrachd ri fear-pàrlamaid a thaghadh, sgaoil iad gus am biodh an taghadh seachad. Chaidh stòr bhrog ie W. R. Cunningham a losgadh ann am baile Antigonish Di-dònaich s’a chaidh. Chaidh a chuid bu mhò dhe’n stoc a losgadh. Tha an call air a mheas aig sia mile dolair, ach bha ceithir mile de dh’ airgead-urrais air. Bha réis skateidh ann an Sidni a Tuath oidhche Luain s’a chaidh, eadar fear Wilson Breen á St. John, N. B., agus Walker Connell á Pictou. Choisinn Breen an reis, agus tha ’n t-ainm aige nis a bhi na’s fhearr air siubhal na deighe na duine eile ’sna mor-roinnean iseal. Chaidh fear Nesbitt Thompson a mharbhadh ann am mèinn chloiche an Antigonish a che’-la-deug gus an diugh. Bha e seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Chaochail ’athair o chionn bliadhna agus b’ esan an aon taic a bh’aig a mhàthair, ’s aig a bhràithrean ’sa pheathraichean a bha ni b’ oige na e féin. Chaochail Uilleam B. Chandler, fear-lagha, ann an Arichat, Di-sathairne s’a chaidh, aig aois ceithir fichead bliadhna ’sa naodh. Cha’n eil teagamh nach b’e fear-lagha cho sean ’sa bha ’sa mhor-roinn. Bha e na fhear-lagha anns a’ mhor-roinn so o chionn leth-cheud bliadhna, agus bha e ’na fhear-lagha ann an New Brunswick fad shia bliadhna roimhe sin. Bha side glé stoirmeil aca ann an Newfoundland air a mhios s’a dh’ fhalbh. Thainig stoirm mhor shneachda air an treas latha fichead, agus eadar sin us toiseach a’ mhiosa so, bha na ròidean air an dùnadh. Chaidh an telegraph a chur air aimhreit leis an stoirm, agus bha iad faisg air seachdain gun facal no fios fhaotainn á cearna sam bith eile dhe’n t-saoghal. Cha robh side cho doirbh aca o chionn àireamh bhliadhnaichean. Ann a’ Hamilton, an Ontario, chaochail nighean òg, aois dha bhliadhn’ deug. Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. ’Se thug a bas, buille a fhuair e an clàr an aodainn le cnap cruaidh de shneachda. Bha goirteas mor ’na ceann an deigh dhi a bhuille fhaotainn, ach bhatar an dùil nach robh a bheag cearr oirre gus glé ghoirid mu’n do chaochail i. Di-luain s’a chaidh bha Sir Tearlach Tupper air éigheach mar fhear-pàrlamaid do’n t-siorrachd so. Be ’n àireamh bhòtaichean a fhuair e bharrachd air Murray, seachd ceud ’s ceithir fichead. Chaidh sia mile, naodh ceud, ’s da fhichead ’sa h-ochd de bhòtaichean a thoirt seachad air fad. Fhuair Tupper tri mile seachd ceud ’s ceithir fichead ’sa seachd, agus Murray tri mile sa seachd. Bha ceud ’sa ceithir deug air fhichead de bhotaichean air am milleadh. Chaidh soitheach-iasgaich Geancach, an Resolute, a long-bhristeadh air cladach Lorraine, faisg air Louisburg, oidhche Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bhuail i air creig agus chaidh i fodha; cha robh bior dhi ri fhaicinn an la-’r-na-mhàireach. Chaidh aon duine bhathadh, fear Rogers a mhuinntir Port Mulgrave, leis am bàta dh’ an deach e a dhol fodha. Fhuair a chuid eile dhe’n sgioba iad féin a shàbhaladh. Bidh na daoine air an cur gu Gloucester, an t-àite as an d’ thainig an soitheach. Bha leth dhùil aig muinntir a bhaile so gu’m biodh exhibition aca air an fhoghar so a’ tighinn. Tha riaghladh Nobha Scotia gach bliadhna a’ cumail da fheill dhe’n t-seorsa sin, aon anns na siorrachdan an ear, agus aon anns na siorrachdan an iar. Ge b’e baile a thairgeas am barrachd airgeid air son cosgais na féille a phàigheadh, ’s ann ’sa bhaile sin a bhitheas i. Air a bhliadhna so ’se Truro a thug an tairgse b’ fhearr air son féill nan siorrachdan an ear agus uime sin feumaidh am baile agus an dùthaich so feitheamh bliadhn’ elle. Tha Truro a’ toirt seachad còig mile dolair air son na féille; thairg Sidni, agus mar an ceudna Pictou, tri mile. NA SGOILEAN.—Tha da mhile ’s tri cheud ’sa coig (2305) de sgoilean ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatunn, agus bha còrr us ceud mile de chloinn a dol dh’ an sgoil air a bhliadhna ’chaidh seachad. Bha mu thri mile ’s ceithir cheud de luchd-teagaisg sgoile anns a mhor-roinn, mu leth-cheud a bharrachd air na bh’ann a bhliadhna roimhe sin. Phaigh riaghladh na dùthcha naodh fichead us da mhile, ceithir cheud ’s da dholair air fhichead ($182,422) mar thuarasdal do luchd-teagaisg nan sgoilean, agus an sluagh mu thri cheud ’s tri fichead us coig mile deug dolair ($375,000). Bha ochd fichead us aon sgireachd gun sgoil idir fad na bliadhna. Tha moran de na sgireachdan ro bhaag, agus mar sin eu-comasach air maighstir-sgoile a chumail. Tha ceud ’sa deich de luchd-teagaisg na sgoile a tha teagasg o chionn fichead bliadhna. Chaidh dlùth air ochd ceud ’s da mhile dheug dolair ($812,000) a chosg air na sgoilean fad na bliadhna. FEBRUARAIDH, 1896. 1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645. 2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 3 Di-luain 4 Di-mairt. Rugadh Robert Peel, 1788 5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhe’n t-solus, 8.24, feasgar. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7, 17. 8 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 5.11. 9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh 10 Di-luain 11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692 14 Di-haoine. (13) An Solus Ur, 11.59, maduinn. 15 Di-sathairne 16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid. 17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh, 7.02. 18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh, 7.00. 19 Di-ciaduin. I latha dhe’n Charghus. 20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam. 21 Di-haoine. A cheud chairteal dhe’n t-solus, 5.01, feasgar. 22 Di-sathairne 23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaich ’sa Charghus. 24 Di-luain 25 Di-màirt 26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh, 6.47. 27 Dior-daoin. A ghrian a’ laidhe 5.41. 28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar. 29 Di-sathairne. Fad an latha, 11u. 1m. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 254] [Vol. 4. No. 32. p. 6] AN LEISGEIN. Is e’n leisgein an t-aon chreutair a’s lugha feum a th’ air ùr-uachdar an t-saoghail. Cha ’n ’eil, cha robh, ’s cha bhi rath, no buaidh, no piseach air. Cha dean e feum dha fhein, agus idir cha dean e feum do neach sam bith eile. Tha e mar chraoibh gun toradh nach dean feum a’s fhearr na fasachadh na talmhainn, agus mar an salann a chaill a bhlas, agus a dh’ fheumar a thilgeadh a mach gu bhith air a shaltairt fo chasaibh dhaoine. Nis, mur biodh againn ri ràdh mu’n leisgein ach so cha bhiomaid a’ gearainn. ’S i chùis a’s bochda gu feumar a ràdh ris an leisgein, sùil mu’n t-sròin, gu bheil e cheart cho làn de’n olc ’s a tha ’n t-ugh de ’n bhiadh. Gheibhear an t-olc uair is uair far nach fhaighear an leisge, ach cha ’n fhaighear an leisge uair sam bith, ann an àite sam bith gun an t-olc ’na fochar. Tha iad, mar a bha Cigein is Cuaigein, an còmhnuidh an cuideachd a cheile. Os cionn an doruis aca tha na facail so sgrìobhta, “Far am bi sinn bidh sinn ann.” Ann am facal Dhe tha ’n leisgein truagh air a dhìteadh gu ’bhrògan. ’Se ’n duine bu ghlice a bha riamh air an t-saoghal bu sheirbhe a labhair na aghaidh. Cha ’n ’eil càirdeas no comunn sam bith eadar gliocas, agus an leisge. Ach is iad an leisgein agus an t-amadan clann an droch aoin, agus, rùd nach ioghnadh, aithnichidh duine beachdaidh sam bith air an athair iad. “Mac mar an t-athair.’” Ge b’e taobh a theid sinn—an iar no an ear, a’ tuath no a’ deas—cha tachair aon duine glic ruinn a chuireas facal math a staigh air taobh an leisgein. Cha mhol athair no màthair e; cho mhol piuthar no bràthair e; cha mhol iosal no uasal e; cha mhol bochd no beairteach e; cha mhol ministear no bàillidh e. Neo-ar-thaing nach mol a chuideachd fhein e. “Is toigh le boin sgàrdaich bò sgardach eile.’” Ach tha ’n leisgein ann am beachd nach ’eil neach fo ’n ghréin a leth cho math, ’s cho glic, ’s cho tuigseach ris fhein. “Is glic an leisgein ’na bharail fhein na seachdnar a bheir freagradh gu ceart.” Dh’ fhoghainn deth! Cha’u ’eil, cha robh, ’s cha bhi rath air an fhear aig am bheil barail ro àrd air fhein. Tha ’n leisgein glé ealanta air iomadh ni a dheanamh. Feumaidh sinn a cheartas fhein a thoirt do ’n duine thruagh ged a tha ’n dunaigh air. Cha’n ’eil mac màthar anns an dùthaich a’s fhearr a dh’itheas am biadh nach coisinn e, agus a dh’ òlas an deoch nach pàigh e, na’n leisgein. Ma gheibh e neach a chumas seanachus ris a thig a réir ’inntinn, cha ’n iarr e dhol a laidhe gus an teann na coilich ri gairm, no gus an teid an teine as. Laidhidh e ’n a shuain air a leabaidh anns a’ mhaduinn, ma leigear leis, gus an toir an t-acras air éiridh. Mar a thuirt an sean-fhacal, “Is leasg le leisgein a dhol a chadal, ’s ro leasg leis éiridh ’sa mhaduinn.” ’Si a rogha ceaird a bhith ’g aithris agus ag éisdeachd a h-uile sgeul a’s ùire, agus a’s faoine air an cluinn e iomradh. Tha ’n leisgein mar is trice anabarrach deas-bhriathrach; ach mar is lugha a bhios a dh’ eanchainn ann an neach ’s ann is luaithe ’bhios a theanga. ’Se ’n soitheach falamh a’s mò a ni dh’ fhuaim. “A’ bhò a’s caoile ’s a’ bhuailidh ’s i a’s àirde geum.” Gabhamaid beachd air ’s e ’n a shuidhe air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, anns an fheasgar chiùin chéitein, an uair a tha na coimhearsnaich ’s am fallus ’g an dalladh ag obair air an àiteach; no an uair a dh’ éireas e àird-fheasgair, ’s a ghabhas e ’bhiadh, ma bhios greim fo na cabair, agus a leigeas e ’dhruim ris a’ bhalla ’s pìob thombaca ’n a phluic, agus a dha laimh am pòcaidean na briogais thun nan uillean; agus their sinn ruinn fhein nach b’ eucoir sam bith ged a dheanadh gille tapaidh bògadh-feannaig air ann an dig na h-iodhlann, no ged a ghabhtadh air le taod fliuch gus an tòchdadh e o chnaimh. Ach cha ’n ’eil feum sam bith teannadh ris an leisge a thoirt as na cnàmhan aige le comhairleachadh. Dithis nach gabh comhairle an leisgein agus bean bhorb. Mar a tha ’m facal ag ràdh,—“Comhairle ’thoirt air mnaoi bhuirb mar bhuille ùird air iarrunn fuar.” Bu cheart cho math leam teannadh ri comhairle thoirt air mnaoi bhuirb fhén ri comhairle thoirt air an leisgein. Cha bhiodh ann domh ach “saothair an daogha,” ged a theannainn ris. Ma ni dad idir feum dha is e a dhealbh a tharruinn cho math ’s a ghabhas deanamh, agus a ghlaodhadh ris a h-uile dorus ’s an dùthaich. Is iomadh fear a dh’ fhàsadh coma dheth dhòighean amaideach féin nam faiceadh e e fhéin mar a tha càch ’g a fhaicinn. Ach an uair a tha’n leisge air tàrmachadh anns an smear-cailleach aige cha tig an latha ’s cha chian an tràth a bheir e fhéin no duine eile as i. Ma thachras—agus is ainneamh a thachras e—gu ’m bi fearann aig an lessgein aithnichidh fear ghabhail an rathaid co leis e. “Ghabh mi seachad air fearann an duinc leisg, agus air fion lios an duine gun tuigse; agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluaranaibh, chòmhdaich an eanntag ’aghaidh, agus bhriseadh sios a bhalla cloiche.” Aithnichidh fear ghabhail an rathaid an taigh aige mar an ceudna. Bidh cuid dheth gun tubhadh, agus cuid gun sgrathan. An àite sìomain ’s ann a bhios na cliathaichean aige breac le maidean agus le clachan. Bidh druim an taighe a cheart cho dìreach ri druim eich a bhiodh a’ bàsachadh leis an aois agus leis a chaoile. An uair a thig an t-uisge bidh an t-snidhe ’g a dhalladh, agus an uair a thig sneachda ’s reothadh bidh e ’g a mheileachadh leis an fhuachd. O nach leig an leisge leis ullachadh a dheanamh air son na beatha ’tha làthair, idir cha leig i leis spàirn chruaidh a dheanamh gu dhol a steach air a’ gheata chumhann. Bu cheart cho math iarraidh air cruinn leum a ghearradh seachad air a’ ghealaich ’n a h-àirde ri iarraidh air spàirn a dheanamh air son ni sam bith. Tha eallach a dhroma de ’n leisg air, agus is gann a dhùraigeas e caruchadh as an àite am bheil e. Mu’n urrainn e dhol a steach air a’ gheata chumhann feumaidh e dealachadh ris an leisge—am peacadh a tha gu furasd’ ag iathadh uime. Mar a tha ’m facal ag ràdh— “Cha leig an leisge dha deoin Duine a dh-àite coir am feasd.” I. McR. Na deanamaid tàir air latha nan nithean beaga. Thugamaid fa near gu’n d’ eirich na nithean cho mòr ’s cho cumhachdach ’s a bha riamh anns an t-saoghal o nithean a bha gle bheag, lag, suarach an sealladh an t-saoghal. Thoir an aire nach bi thu tuilleadh is deas gu cluas a thoirt do gach sgeul a chluinneas tu. Faodaidh iomadh sgeul a bhith air aithris am measg an t-sluaigh nach ’eil aon chuid fìor no feumail. Cha’n ’eil ann ach amaideas e bhith caitheamh na h-ùine ann a bhith ’g aithris, no ’g eisdeachd a h-uile sgeul a thig an rathad. Ge b’ e chreideas na chluinn e, faodaidh e na chi e itheadh. [TD 255] [Vol. 4. No. 32. p. 7] A Amhuinn Dhennis. A CHARAID:—’Se dìth naigheachd a thug orm a bhi cho fada gun facal a chur d’ur n-ionnsuidh, ach tha seann fhacal ag ràdh, “’S math an naigheachd a bhi gun naigheachd.” Tha geamhradh briagha againn, agus ròidean matha. Tha na faoillich gheamhraidh a nis seachad, ach tha seana cheann ag radh nach “tig cneas gu’n tig ceannach, ’s nach tig fuachd gu’n tig faoillich earaich.” Tha an triuthach ’nar measg bho chionn beagan sheachduinean agus tha mi cluinntinn gu bheil a ghriuthrach a’ tighinn air a luirg. ’S iongantach an beachdan a tha am measg cuid a shluagh ma leigheas thinneasan; ’se aon dhiubh gu’n teid neach air am bi an triuthach a leigheas ma gheibh e greim air iasg beò agus smugaid a chur na bheul ’sa leigeadh ’sa mhuir a rithist; ma’s a fior gu’n teid an tinneas air an iasg. Tha e air aithris gu robh cuid, as an earbadh sinn barrachd gliocais, ris an obair fhaoin ud eadhon anns an aite so, agus ged nach eil creideamh agam anns an leigheas cha teid mi tuilleadh a dh’iasgach gu ceann a ràidhe. Chaidh dithis bhrogach as a choimhearsnachd so, Alasdair agus Rob, la do’n bheinn a shealltuinn ribeachan a rinn iad air son glacadh mhaigheach; sùil d’an d’thug iad chunnaic na shuidhe faisg orra, mar a shaoil leo féin, “madadh-ruadh-dubh.” Bha iad an dùil gu’n robh am fortan deanta agus ghrad leum Alasdair le cabar chum a bhualadh, ach ’sann a thog esan a spòg agus le greann rinn e fead a thug fuaim air a bheinn. “Pill! Pill! Alasdair,” ghlaodh Rob, ’se th’ann a mathan! agus mar a thubhairt b’fhior. Cha robh na brogaich fad a’ toirt a mach an taighe, agus cha chualas guth air maighich bho’n uair sin. Tha comh-fhulangas againn ris “an tuathanach bhan,” a tha sgriobhadh á Ceap Nòr mu chall a mhinisteir, oir dh’eirich a leithid eile dhuinne bho chionn da bhliadhna, ’nuair a thug ar coimhearsnaich (muinntir a Bai’n Iar) leo ar ministeir cliùiteach, an t-Urr. A. Mac Ille-mhaoil, ’s dh’fhàg sin ar cùbaid fathast falamh. Cha’n eil teagamh nach fhaodadh sinne fear eile fhaotainn roimhe so na’n deanadh sinn mar a rinn iadsan, ach feuchaidh sinne ris an àithne choimhead cho fada ’sa tha ’nar comas, ann an dòchas gu’n oibrich na h-uile ni chum ar math. Air eagal gu’m bheil mo litir tuilleadh is fada thig mi gu comh-dhùnadh le bhi guidhe saoghal fada d’an MHAC-TALLA, agus moran bheannachdan gu “Iain” air son a dheagh naigheachd mu’n chuirm air an robh e oidhche Nollaig. X. Y. Z. Feb. 4, ’96. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 256] [Vol. 4. No. 32. p. 8] ORAN NA BAINNSE. LE DUGHALL MAC-EACHEARN. (Ri leantuinn.) B’ i sud a bhanais chliuteach, ’S gu’m b’ fhiughantach a chaitheadh aic’; Bha sinn a cluich ar n-uine Gun churam fhad ’sa mhair i dhuinn. Nuair ’nochd an latha ’ghnuis dhuinn, ’Sa sguir na caran siubhlach, Gun d’ ol sinn dram gu sunndach, Is thog e smur na maidne dhinn. Gu’n d’ smaointich mi bhi ’gluasad, Ged bha droch uair is cathadh ann, ’San eathar ’bu mhath guallann ’Dhol thar nan stuadh gu farumach. Gach seol bha agam fuasgailt’, Buill chaol de ’n chorcaich bhuain annt’, ’S mi cumail ris an fhuaradh A cheart cho cruaidh ’s a laigheadh i. ’S nuair ’shuidhich mi mo chursa Bu shunndach a bha ’gabhail leam, ’Cur sheol is chrann gu ’n dubhlan ’S am filleadh cuil an teannachadh. Bu mhomha ’s cas a stiuireadh, ’Si lan de spiorad dubailt’, Ruith cuip air bharr nan sughan, ’S gach aon ’na thriuir ’san amharc dhomh. Ged a bha ’n soirbheas gabhaidh, Is e bho ’n aird’ ’bha anasta, Gu’n d’ fhuair mi cala sabhailt’ An lagan blath ’s nach b’aineol mi. Gur h-iomad latha ’bha mi Mu bhruachaibh Allt-Mhic-Càra, An t-aite grianach alainn Far ’n tric ’bha ’n t-al a’ langanaich. Is eolach mi mu ’chluaintean, Is shios is shuas ’na ghlacagan, ’S an cluinnt’ an smeorach shunndach A seinn a chiuil ’bu taitniche. Tha sobhraichean gu h-uallach A meudachadh a bhuadhan. Tha neoineanan mu ’n cuairt ann, ’San luachair tha r’a faicinn ann. A chluaintean boidheach sughmhor, ’Sa bheil an uir a’s fallaine, Tha ’ruith air meanbh-chlaich dhubh-ghuirm ’S a cul mar leugaibh faileasach. Gur fonnmhor, srannmhor, sunndach, A bhios na beachan siubhlach, Air feadh a bhlaithean cubhraidh, Is surd orra ’toirt meal’ asda. An coileach-tomain cuirteil Bidh siubhlach feadh a bhadanan, ’S gur tric bhios an lon crocach A comhnaidh ann gun fhadal air. Am mathan bidh gun naire A tigh’n a thogail cain ann, ’S an gille ruadh o ’n fhasach, ’S gur tric ’thug Tearlach car as ann. Bha began de dhuil aig Dughall gun tachradh Mor Dhomhnallach air aig a bhanais, ach bha e air a mhealladh. B’ e taigh na bruaiche an taigh-sgoile. Air an la an deidh na bainnse bha da obair aig Dughall; bha e a teagasg na cloinne agus a deanamh an orain. Mo Run Geal Dileas. LUINNEAG. Mo run geal dileas, dileas, dileas, Mo run geal dileas nach till thu nall? Cha till mi fein leat, a ghaoil cha’n fhaod mi, ’S ann tha mo ghaol-sa ’na laidhe tinn. Is truagh nach robh mi an riochd na faoilìnn A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn; Is bheirinn sgrìobag do ’n eilean Ileach, Far bheil an ribhinn dh’ fhág m’ inntinn trom. Is truagh nach robh mi ’s mo rogha céile Air mullach shléibhte nam beanntan mòr, ’S gun bhi ’gar n-éisdeachd ach eòin an t-sléibhe, ’S gu’n tugainn fhéin di na ceudan pòg. Thug mi còrr agus naoi mìosan Anns na h-Innsean a b’ fhaide thall, ’S bean bòichead t’ aodainn cha robh ri fhaotainn. S ged ’gheibhinn saoghal cha’n fhanainn ann. Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte Gun dùil rium oidhche gu ’m bithinn beò; B’e fàth mo smaointean a là ’s a dh’ oidhche, Gu’m faighinn faochadh ’us tu bhi ’m chòir. Cha bhi mi strìth ris a’ chraoibh nach lùb leam Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach géig. Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m’ fhàgail, Cha d’ thàinig tràigh gun mhuir làn ’na déigh. Tha pàrlamaid Chanada a nise ’na suidhe o chionn còrr us mios ach cha d’ rinneadh a bheag a dh’obair a chur feachad fhathast. Chaidh bill mu dheobhainn sgoilean Mhanitoba a thoirt a stigh Di-màirt s’a chaidh agus a leughadh a’ cheud uair. Feumar a leughadh tri uairean mu’n tig e gu bhi na lagh; ’sann aig an darra leughadh a gheobhair a mach ciod i barail na pàrlamaid air, oir ’sann an uair sin a nithear gach deasbaireachd a bhios ri dheanamh uime. Ghabh Sir Tearlach Tupper ’àite-suidhe anns a pharlamaid Di-màirt. Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t-seann Laraich. Baddeck, C. B. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG:—Os cionn Stor Harington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 257] [Vol. 4. No. 33. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 22, 1896. No. 33. Na h-Armenianaich. Tha an sluagh ainmeil so ro shean. Tha iad air an ainmeachadh ’sa Bhiobull, an leabhar Ghenesis fo’n ainm Togarmah. Tha an amhainn aosda Euphrates a sruthadh troimh an tìr fharsuinn so. Air taobh an ear na h-aimhne so tha Armenia Mòr, agus air an taobh siar tha Armenia Beag. ’Sann ann an Armenia Mòr gu sònruichte, a tha na Turcaich an dràst a’ deanamh geur-leanmhuinn ghoirt air na Criosduidhean Armenianach. Tha e air a ràdh gu’n do chuireadh còrr us trì fichead mìle pearsa dhiubh gu bàs! Tha so ’na mhasladh mòr, agus na chionta eagallach, do rìoghachdan Criosduidh an domhan. Tha eagal orm gu’m bheil sinn uile cosmhuil ris an t-sagart agus ris an Lebhiteach a ghabh seachad o shean air an duine bhochd a thuit am measg an luchd-reubainn air an t-slighe gu Iericho. Shaoil sinn gu’n nochdadh Breatunn roimh so gniomh an Deagh Shamaritanaich do shluagh bochd Armenia. Tha’n Roinn-Eòrpa, ’sa chùis so, cosmhuil ris a bhoin a ni mòran bùireich, ach nach toir seaehad ach beagan bainne. Cha’n e ràdhaiteanas, ach deanadas a thaisbeanas gu’m bheil sinne saor o gheallaidhean briste, agus o chionta fola ’sa chùis so. Tha Armenia air a roinn eadar Russia, Persia, agus an Tuirc. Tha mu’n cuairt air da cheud mile (200,000) Armenianach ann an Constantinopal, Baile mòr na Tuirc. Tha sinn an dòchas gu’n seas Breatunn dìleas air taobh na firinn, na còrach, agus a’ cheartais, agus gu’n cuirear mar fiachaibh air Impire na Tuirc gu’n cuir e stad air spùinneadh agus air marbhadh ann an dùthaich mhaiseach Armenia. Tha e ’ na bheul-aithris aosda ann an Armenia gur h-e an t-Abstol Bartolomeus no Natanael, a thug ’sa bhliadhna 34 an soisgeul do Armenia. Tha còrr as ceithir cheud deug bliadhna o’n a dh’ fhuiling na h-Armenianaich geur-leanmhuinn chruaidh air son an dìllseachd do’n chreideamh Chriosduidh. Bha’m Biobull air eadar-theangachadh gus a’ chainnt Armenianaich ’sa bhliadhna 400. Tha cleachdaidhean eaglaiseal nan Armenianach cosmhuil ri cleachdainnean na h-Eaglais Ghreugaich. Tha seachd sàcramaintean aca. Mar a tha leanaban air am baisteadh, tha iad air an tumadh trì uairean ann an uisge. Tha cead aig na ministeirean Armenianach pòsadh. Ach cha’n eil e ceadaichte do bhantrach ministeìr pòsadh an darra uair. Tha na h-Armenianaich, fir agus mnathan, ’nan sluagh calma, tapaidh, eireachdail. Tha iad àrd, dìreach na ’m pearsa, le falt òr bhuidhe maiseach. Tha na boirionnaich uasal ’nan giùlan agus sgiamhach ’nan gnùis. Tha iad ’nan cinneach geur-chùiseach, tuigseach. Gheibhar iad sgapta feadh an t-saoghail, agus cuid diubh ann an dreuchdan cudchromach. Bithidh cuimhne air ar leughadairean gur h-ann an Armenia a tha Beanntan Ararait air an do stad an Airc.—An Fhianuis. Iomadh Comhairle. Tha e air ’aithris gu’n robh duine àraidh agus a mhac a’ ghabhail an rathaid le asail. ‘C’arson nach eil an dara fear agaibh a’ marcach na h-asail?’ ars’ an ceud neach a thachair riutha; Chuir an seann duine an sin suas an gille agus choisich e fhéin ‘Am bheil e ceart thusa a bhi ’marcachd agus t’ athair aosda a’ coiseachd?’ ars’ an darra fear a choinnich iad. Chaidh an seann duine an sin air muin an eich agus choisich an gille. ‘Am bheil sibh a’ faicinn an t-seann duine leisg a’ marcachd agus a mhac òg d’a chois?’ ars’ an treas fear; an sin thog an seann duine a mhac air a chùlaobh. ‘Tha thu féin agus do mhac ni ’s comasaiche air an asail a ghiùlan na tha ise oirbhse,’ ars’ an ath-fhear. ‘Ni air bith airson ur toileachadh, ars’ an seann duine, agus air ball cheangail iad a casan agus thug iad oidhearp air a giùlan thairis air an drochaid; ach thachair aimhleas air choir-eigin orra, ’s thuit i do’n abhuinn agus bhàthadh i. Direach mar sin a thachradh do’n MHAC-TALLA nan gabhamaid an deicheamh cuid de gach comhairle agus seòladh a tha sinn a’ faighinn. Cuimhnicheadh ar càirdean gu’m bheil na mìltean againne ri riarachadh agus gun ach glé bheag dhiubh air an aon bheachd. Tha’n News, paipear-naigheachd a thatar a cur a mach ann am baile Alexandria an siorrachd Ghlinn-Garraidh, an Ontario, air tòiseachadh air leasanan Gàilig a chlò-bhualadh gach seachdain. Tha iad air son cuideachadh leotha-san a tha deònach air Gàilig a leughadh, ach nach robh riamh air an teagasg. Tha so a nochdadh gu bheil toil air feadhain a tha aineolach air a Ghàilig eòlas a chur oirre, agus gu bheil iadsan aig am bheil eòlas oirre toileach a dhol gu beagan dragha gus an cuid eòlais a chomh-pàirteachadh ri muinntir eile. Chaidh còrr us tri mile fichead each a mharbhadh agus itheadh ann am Paris, ceanna-bhaile na Frainge, an uiridh. Thomhais an fheòil a chaidh a reic còrr us coig mile tunna, agus fhuaireadh eadar ceithir us ochd sentichean deuga am pùnnd oirre. Na bùithean a tha ’ga reic, cha’n fhaod iad feòil sam bith eile a chumail. Tha a chuid mhor dhith air a cur ann am maragan. Ann an arm Bhreatuinn, tha ceud us tri fichead mile ’sa tri de Shasunnaich, sia mile deug de dh’ Albannaich, agus sia mile fichead de dh’Eireannaich. A thaobh aidmheil, tha seachd fichead còig mile dhiubh de’n Eaglais Shasunnaich, seachd mile deug air fhichead de’n Eaglais Chaitlicich, coig mile deug de ’n Eaglais Chléirich, agus da mhile dheug de’n Eaglais Mhethodaich. [TD 258] [Vol. 4. No. 33. p. 2] BEAN A’ MHISGEAR. CAIB. III. “Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.”—Gnath. 23. 21. “Tha uair aig an achasan is àm aig a’ chéilidh.” An uair a fhuair Seònaid a h-àm freagarrach fhéin labhair i gu ciùin, sìobhalta, ri Seumas mu na cleachdaidhean gòrach a bha e ’leantuinn. B’ann air feasgar na Sàbaid an déigh dhi a’ chlann a chur a laidhe a labhair i ris, oir cha robh toil sam bith aice gu’n cluinneadh no gu faiceadh a’ chlann dad a bheireadh orra bhi ’g amharc sìos air an athair. So cuid de na briathran a labhair i:— “Cha ghabh thu gu h-olc e, ’Sheumais, ma bheir mise comhairle na corach ort. Ged is boirionneach mi tha mi ann an tomhas comasach gu leòr air dealachadh a chur eadar am math agus an t-olc, a reir an teagaisg agus an eòlais a fhuair mi. Cha bhiodh e idir ceart dhomh leigeadh le neach sios uatsa a bhith siubhal air an t-slighe chearr gun rabhadh a thoirt seachad. Ach tha mise agus thusa ann an daimh ro dhlùth ’s ro shònraichte ri ’chéile, agus air an aobhar sin, tha e mar fhiachaibh oirnn cuideachadh agus misneach a thoirt d’a chéile aig gach àm. Tha lan fhios agad fhéin, tha mi ’creidsinn, gu bheil thu air fàs déidheil air an òl. Agus tha thu mar an ceudna air fàs crosda, greannach rium; rud a tha cur dragh ro mor air m’ inntinn. Tha fhios agad gle mhath gu bheil facal an Tighearna a’ labhairt gu searbh an aghaidh luchd na misge, agus a comharrachadh a mach gu’n tig am misgear gu bochdainn. Tha iomadh éis air a’ chloinn, agus b’fhearr dhutsa an t-airgiod a tha thu a’ cur ’san òl a chur a cheannach nan nithean a tha dhìth air a’ chloinn na bith ’ga chaitheamh ann an ni nach dean feum aon chuid do’n chorp no do’n anam. Ann an ainm an Tighearna, agus le cuideachadh a shaor ghràis, thoir gach oidhirp air sgur de’n òl. Cia mar a bhiodh a’ chùis an diugh na’n robh aon de na coimhearsnaich a làthair an oidhche roimhe an uair a thainig thu dhachaidh air mhisg, agus a bhrist thu a h-uile soitheach a bh’agam air a bhòrd? Is mi bha taingail gu robh ’chlann ’nan cadal air an àm; oir nan robh iad nan dùsgadh ’s dòcha gu’m biodh cuimhne aca air a choslas anns an robh thu gu latha ’m bàis. Cha’n ’eil ’s cha bhith meas aig cloinn air am pàrantan an uair a chi iad aimhreit sam bith eatorra. Na robh iad na ’n dùsgadh an oidhche ud, shaoileadh iad gu robh mise agus tusa ann am mullach na h-aimhreit. Cha’n eil gruaim sam bith agamsa riut; ach tha truas gu leòr agam riut mar bu chòr a bhith aig a mnaoi phòsda ri a fear; agus air an aobhar sin cha’n urrainn domh gu’n a chomhairle so a thoirt ort le uile dhùrachd mo chridhe. Mu’m bi e tuilleadh is anamoch grad sheachainn an t-òl, agus luchd an òil; oir truaillidh droch comhluadar deagh bheusan. Ann an lathair an Tighearna thoir a nis dhomh do làmh, agus thoir bòid gu sguir thu dheth na dòighean amaideach a bha thu leantuinn o chionn ghoirid.” “Ma ta ’Sheònaid,” arsa Seumas, “feumaidh mise aideachadh gu saor nach eil mi mar a bha mi aon uair. Bha mi uair agus nan canadh neach sam bith rium gu’n tiginn dhachaidh air mhisg, agus gu’m bristinn soithichean, theirinn mar a thubhairt Hasael ris an fhàigh, “An cù do sheirbhiseach gu’n deanadh e leithid sin?” Ach beag air bheag thàinig mise gu bhith mar a tha mi. Is iomadh uair a bha ioghnadh orm nach robh thu labhairt gu searbh rium. Tha mi taingail nach ’eil fios aig duine beò air mar a thachair ach sinn fhéin le chéile. Le còmhnadh an Tighearna feuchaidh mise ri sgur de’n òl agus ri communn luchd an òil a sheachnadh.” Bha tuilleadh còmhraidh eatorra air nach ruigear a leas iomradh a thoirt an so. Aig an àm bha h-uile coltas gu’m biodh sìth, is soirbheachadh, is beannachd anns an teaghlach. Ach is iomadh rud air an robh deagh choltas aig a thoiseach a thàinig gu droch dheireadh. Cha d’ thug Seumas ni b’fhaide na mìos air tighinn dhachaidh sòbarra mar a gheall e d’a mhnaoi. Gun fhios gun fhaireachadh dha fhuair misg agus mi-bheus lamh an uachdar air. Gu fortannach cha robh fhios aig a mhnaoi air ach fior bheagan de ’na dòighean mi-iomchuidh anns an robh e ’caitheamh a bheatha. Bha e ’feuchainn ri folach a chur air cùisean cho math ’s a ghabhadh deanamh. Bhiodh e ’n còmhnuidh fada gu’n tighinn dachaidh, agus an uair a thigeadh e dhachaidh deanadh e naigheachd cho coltach dhi ’s gu robh i ’n dùil gur i ’n fhìrinn a bh’ anns a h-uile facal a theireadh e. Ach mu dheireadh ghabh i amhrus nach robh cùisean mar bu chòir dhaibh a bhith. Theireadh i rithe fhéin an dràsta ’s a rithist, “Cha dearbhadh air duine amhrus. Feumaidh mi làn dearbhadh fhaotainn gu bheil e ciontach de na bheil iad a’ cur as a leth mu’n creid mi e.” A dh’ aindeoin so gu léir bha, mar gu’m biodh guth a labhairt rithe, ’s ag innseadh dhi gu robh ni eiginn mu ’thimchioll nach fuilingeadh an solus fhaicinn. CAIB. IV. Air oidhche àraidh bha Seònaid mar a b’ àbhaist dhi a feitheam Sheumais, agus i ’càradh aodaichean na cloinne. Thàinig da uair dheug, ’s thàinig uair ’s a’ mhaduinn, ach cha d’ thàinig Seumas. Cha robh fhios aice air an t-saoghal ciod a dheanadh i. Bha nàire oirre na coimhearsnaich a dhùsgadh mu ’n àm ud a dh’ oidhche gus a dhol air a thòir, air eagal gu faigheadh iad a mach mar a bha cùisean. Agus ged a dh’fhàgadh i ’chlann leò fhéin, bha eagal oirre gu faodadh iad éiridh as an leabaidh, agus cron a dheanamh orra fhèin fhad ’s a bhiodh i air a thòir. A bharrachd air so, cha robh fhios aice cò ’n taobh air an tugadh i ’h-aghaidh g’a iarraidh. ’Se ’bh’ ann gu ’n d’ fhan i far an robh i, ’s i ’n dùil a h-uile mionaid gu ’n cluinneadh i fuaim a chas air an staidhir. A réir choltais bha chuid mhòr de shluagh a’ bhaile air gabhail mu thàmh, oir aig an àm cha chluinnteadh a bheag a dh’ fhuaim chas no charbad air sràidean a’ bhaile. An dràsta ’s a rithist bheireadh i oirre fhéin a chreidsinn gu robh i cluinntinn fuaim a chas a nuas an t-sráid. Am feadh ’s a bha i mar so ’s a cluas ri claisneachd bha ’h-inntinn fo dhragh ro mhòr le bhith smaointean a liuthad cunnart bàis a dh’ fhaodadh tighinn ann an rathad Sheumais. Mu dheireadh an uair a ghabh i ceud fadachd, ’s a dh’ fhàs an sèomar fuar, chaidh i do ’n leabaidh. Ach ma chaidh cha b’ ann gu cadal. Ged bu bhuidhe cridhe leatha cha tigeadh aon norradh air a sùil. O nach robh i ’faotainn cadail dh’ éirich i gu math moch, ’s chuir i ’n taigh air dòigh, ’s dheasaich i biadh na cloinne mar a b’ àbhaist dhi. Ach bha i fhéin air a lionadh cho mòr le bròn ’s le bristeadh cridhe ’s nach b’ urrainn i am biadh a bhlasad. Beagan an deigh mheadhon latha chuala i bualadh aig [TD 259] [Vol. 4. No. 33. p. 3] an dorus. Cò bha ’n so ach aon de mhaoir-sithe bhaile a bha gu math eòlach air Seumas. Dh’ innis e dhi gu robh Seumas air a chur ann am prìosan air son làmh a bhith aige ann an droch bheairt éiginn a rinneadh anns a’ bhaile, agus nach fhaigheadh e mach gu ceann shia seachduinean mur pàighte coig puinnd Shasunnach de chàin air a shon. An uair a chuala Seònaid bhochd so thòisich i ri caoidh ’s ri tuireadh, araon a chionn gu robh Seumas anns a’ phrìosan, agus mar an ceudna a chionn nach robh comus aice air a’ chàin a phàigheadh. Mu dheireadh chuimhnich i gu robh aon charaid aice ’s a’ bhaile a bheireadh dhi na coig puinnd Shasunnach ma bha iad aige ris an t-saoghal. Thuirt am maor-sìthe nach biodh e glic dhi a’ chàin a phàigheadh eadhon ged a bhiodh an t-airgiod aice ’na laimh. Cha robh so idir a’ tighinn a réir a h-inntinn; oir bha gràdh mòr aice do Sheumas, agus bha e ro chruaidh leatha e bhith fad shia seachduinean ann an seòmar beag, fuar, gun teine, gun tuar, air ghainne bidh, agus air dhroch leabaidh, gun luaidh air a’ mhasladh ’s air an tàmailt a bha e fhéin ’s a theaghlach gu bhith ’fulang. “Ma ta,” ars’ am maor-sìthe, “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, ’Sheònaid, leigidh tu le Seumas na sia seachduinean a chur seachad far am bheil e. Tha e air a dhol ni ’s fhaide air aghaidh anns an olc na tha thusa ’n dùil. Is aithne dhomhsa cha mhòr a h-uile car a tha e ’cur dheth a nis o chionn dol ’s na tri bliadhna. Tha mi seachd sgìth ’ga chomairleachadh. Ma ni dad idir feum dha fo laimh Dhe, ’se gaeis dhe ’uine a chur seachad far nach fhaic ’s nach cluinn e ’n comunn truaillidh a bha e ’leantuinn o choinn ùine. Is e aon duine a’s mò a mheall mi a chunnaic mi riamh. An uair a chuir mise eòlas air an toiseach, bha e modhail, fìrinneach, onarach, agus measail air fhéin; ach tha e nis air na nithean so a thréigisinn—car ùine co dhiu. Tha e gle chruaidh leam a leithid so de theist a thoirt air ’na do làthair-sa. Ach feumar an fhìrinn innseadh ged a dh’ fhaodas i bhith gle shearbh air uairibh. Tha h-uile guth a tha mi ’g ràdh fior, agus an corr ged a theirinn e.” Chuir a h-uile naigheachd a bh’ ann Seònaid cho mòr troimh-a-cheile ’s nach b’ urrainn i aon fhacal a ràdh fad beagain mhionaidean. Mu dheireadh thuirt i;—“Cruaidh ’s mar a tha mo shuidheachadh an diugh feumaidh mi cur leis. Mar a tha ’m facal ag ràdh, a nuair a thig ri duine, thig ris uile. Thug sibh fhéin droch naigheachd ugam; ach ged is i naigheachd a’s cruaidhe a b’ urrainn domh fhaotainn saor o naigheachd a bhàis, tha ni eile ann a tha ’cur dragha agus uallaich orm. Tha mi fhìn ’s mo cheathrar phàisdean laga an diugh gun bhiadh, gun teine, gun aon sgillinn ruadh ris an t-saoghal a cheannaicheas greim a theid nan cinn. Ceithir bliadhna roimh ’n diugh bha airgiod ma seach againn a chumadh suas sinn ged a bhiodh e fhein gun char cosnaidh fad leth-bhliadhna. Dh’ fhalbh sin ’s thàinig so. Dh’ fhalbh ar meas ’s ar cliù. Is iomadh trioblaid, éis, is bròn a tha luchd an òil a’ toirt orra fhéin ’s air an teaghlaichean. An ùine ghoirid feumaidh sinn an taigh so fhàgail o nach urrainn sinn am màl a phàigheadh. Aig an Tighearna tha brath c’ aite an téid sinn.” An uair a thuirt i so chuir i a da bhois ri ’h-aodann, agus shil i na deòir cho frasach ri leanabh beag. Dh’ éirich am maor-sithe ’na sheasamh gu falbh, agus mu ’n d’ fhàg e slàn aice thuirt e:—“Ma dh’ fhaodas mi thig mi dh’ fheòraich air bhur son uair eiginn fo fheasgar am màireach. So dhuibh na chuireas seachad an tràth. Ma dh’ fhaodas mi cha bhi éis sam bith oirbh gus am faigh Seumas cead a choise. Ged a chaidh e thun na truaighe cha leig mi air dìchuimhne, tha mi ’n dòchas, an caoimhneas a nochd e dhomh, agus na comhairlean matha ’thug e orm, an uair a thàinig mi do ’n bhaile an toiseach.” (Ri leantuinn.) An Fheinn air a h-Uilinn. Tha seann ràdh ’s a’ Ghaidhealtachd agus is e sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn.” A reir an ràdh so bha an Fheinn aig aon am fo gheasaibh ann an uamh araidh nach b’ fhiosrach do neach beo. Aig beul na h-uamha bha dùdach, agus na’n robh de mhisnich aig an neach a gheobhadh a mach iad, an dùdach a sheinn tri uairean, dh’ eireadh an Fheinn beo, slan. Air do shealgair araidh dol air seacharan ann an ceo, thainig e air an uamha anns an robh an Fheinn. Chunnaic e an dudach, agus chuimhnich e air an t-seann ràdh, gu’n robh an Fheinn fo gheasaibh, agus ge b’e neach a sheideadh an dùdach tri uairean gu’n duisgeadh e iad. Bha e ’g am faicinn ’n an laidhe ’s an uamha: rug e air an dùdaich, agus sheid e sgal chruaidh oirre. Is ann le mor ioghnadh a thug e fainear gu ’n do dh’fhosgail gach aon diubh an suilean agus iad a’ dur-amharc air ’s an aodann, agus thug e fainear mar an ceudna, le oillt, gu’n robh an suilean mar shuilean dhaoine marbh. Thog e a mhisneach, sheid e sgal eile air an dùdaich, agus ghrad dh’ eirich gach aon air ’uillinn. An uair a chunnaic e sin chaill e uile gu leir a mhisneach, agus theich e. Air dha a dhachaidh a ruigheachd dh’ innis e a sgeul d’ a chairdean, agus ghabh iad a mach comhladh, ach cha b’ urrainn doibh amas air an uaimh tuille, ’s cha d’ fhuaras riabh i gus an latha ’n diugh. Theirear bho sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn.” An Duine Deanadach. Theireadh na coimhearsnaich uime gu robh e cruaidh, agus gu robh e spiocach, ach cha robh e cuid seach cuid. Bha e deanadach, gleidhteach, agus cùramach. Cha do chosg e ni a ghabhadh cùmhnadh. Shaothraich e gu cruaidh uile làithean a bheatha. Thòisich e gun sgillinn ruadh, ach bha da ghàirdean làidir aige, agus bha e suidhichte air beolaind onarach a dheanamh dha féin, agus air beagan a chur m’a seach air son an latha fhliuch. Thòisich e anns a’ choille. Réitich e ’fhearann féin. Fad nam bliadhnaichean saoithreach sin, dh’ fheumadh e bhi cùmhnach, ach cha robh e aig àm sam bith spiocach. Bha a bhean ’s a theaghlach air an deagh chòmhdach agus air dheagh bhiadh. Bha leobhraichean agus paipearan ri ’m faotainn ’na thigh. Fhuair a chlann na b’urrainn da thoirt dhaibh de sgoil. Bha ’fhearann an còmhnuidh air oibreachadh gu math agus gach ni air uachdar ag amharc cho math ’s bu chòir dha. Bha e cho onarach ris an òr. Bha fhacal cho math ri ghealladh sgriobhte, agus bha a ghealladh sgriobhte cho math ris an airgead chruaidh, ge b’e àite ’n robh eòlas air. ’N am biodh làn dùthcha againn dhe’n t-seòrsa dhaoin’ ud, cha chluinnt’ iomradh air ceannaichean no bancaichean a bhi bristeadh, ’s cha bhiodh bochdainn ach gann idir ’san tir. Faodar gàire fanaid a dheanamh ris na daoine so, agus a radh gur a spiocairean iad, ach ’s iad na daoine tha ’cumail suas creideas na dùthcha, agus cha bhiodh adhartas no soirbheachas oirre as an aonais. [TD 260] [Vol. 4. No. 33. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 22, 1896. Litir a Lunnainn. A DHEASAICHE CHOIR:—Thàinig bliadhna eile oirnn, agus tha mi ’n dòchas gu’m bi i ’na bliadhna mhath airson na Gàidhlig, agus gach ni Gàidhealach. Cha’n urrainn domh a ràdh cho toilichte ’s a tha mi gu’m beil ar deadh charaid, MAC-TALLA maille ruinn fathast, agus a’ fàs ni ’s treise gach bliadhna. Gu ma fada mar sin a bhitheas e. Is duilich leam nach d’ thàinig feum sam bith a thaobh na Gàidhlig as a choinneamh mhòir a bha air a cumail ann an Truro. Is mòr m’ eagal gu’m beil na Gàidheil Canadach a cheart cho suarach mu dheibhinn na Gàidhlig agus a tha na Gàidheil Albannach iad féin. Ma tha iad a’ saoilsinn gur còir a’ Ghàidhlig a bhi air a cumail suas, carson nach dean iad oidhirp a chum ’s gu’m bi i air a teagasg; oir tha e cho cinnteach ’s is urrainn da bhi, nach seas a’ Ghàidhlig no cànain sam bith eile gun a bhi air a teagasg anns na sgoilibh. Thug e mòr thoileachas domh litrichean “Bodachan a’ Ghàraidh” a leughadh, ach is e mo bheachd gu ’m beil e tuilleadh a’s cruaidh air an òigridh. Cha-n ’eil iad gu leir coireach anns a’ ghnothuch. Is ann aig an t-seann fheadhainn a tha a’ choire. Is furasd a ràdh gu ’m beil an òigridh a’ cur dimeas air cànain agus cleachdaidhean an sinnsear; ach càit an do dh-ionnsaich iad sin a dheanamh? Ma chi iad am pàrantan a’ cur dimeas air a’ Ghàidhlig, am beil e coltach gu’m bi mòran spéis aca-san di. Cuimhnich na sean-fhacail, “An ni ’chluinneas na big, is e ’chanas na big,” agus, “An rud a chi an leanabh is e a ni an leanabh.” Is ionmhuinn a’ Ghàidhlig le mòran de’n òigridh anns an àite so; chi mi gach seachduinn, gillean agus caileagan a’ tha ’gabhail mòran dragha agus a’ toirt gu deònach an cuid airid agus ùine a chum cànain ionnsachadh, a bu chòir do’m pàrantan a bhi air a theagasg daibh ’nuair a bha iad nan leanabana. Ach air an taobh eile, cia meud de na Gàidheil anns a’ bhaile so, a theagaisg riamh facal Gàidhlig do ’n cloinn? Gun teagamh is iad feadhainn mar sin a tha ’nan naimhdean a’s mise ’bha aig a’ Ghàidhlig riamh. Nach uamhasach maslach do na Gàidheil mar a tha cànain an sinnsear air a cur gu tur air chùl le daoine ’bu chòir a bhi an toiseach gach gluasaid gu a cumail suas. Tha mi buileach toilichte fhaicinn gu’m beil Comunn Albannach air a stéidheachadh ann an Sidni. Tha mi ’n dòchas gu’n gabh iad cùis na Gàidhlig os làimh gun dàil. Le fìor dhùrachd, Is mi ur caraid dileas. LAMH LAIDIR. Lunnainn, 7, 2, ’96. ’S ionmadh bliadhna bho’n bha còmhstri eadar Breatuinn agus an Fhraing a thaobh cladach an iar Newfoundland. Tha còir aig na h-iasgairean Frangach air an cuid éisg a ghlanadh ’sa thiromachadh air a’ chladach sin riamh o’n thug an Fhraing suas a còir air an eilean, agus bha sin a cur dragh mor air muinntir Newfoundland. Cha ’n e mhàin gu robh na Frangaich a gabhail còir air an cuid éisg a ghlanadh ’sa thiormachadh ann an sin, ach bha iad a’ gabhail orra féin muinntir Newfoundland, agus muinntir sam bith eile thigeadh, a chumail air falbh dheth gu buileach. Cha robh sin idir a còrdadh ri luchd-àitich an eilein sin, agus bha iad a’ gearain gu tric ri Breatuinn d’a thaobh. Ach ged a bha sith eadar Breatuinn agus an Fhraing, tha iomadh bliadhna bho nach robh iad ’nan càirdean, agus uime sin cha robh e soirbh cùisean mar so a chur air dòigh. Ach a nise tha iad nan càirdean mora, agus thatar ag radh nach bi ’n ùine fada gus an toir an Fhraing suas a coir air cladach an iar Newfoundland gu buileach, agus gu’n toir Breatunn dh’ ise an coinneamh sin, tuilleadh coir air fearann a th’ aice an ceann a tuath Africa. Ma thig sin gu crich, bi’dh e ’na latha math do mhuinntir Newfoundland. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 261] [Vol. 4. No. 33. p. 5] NAIDHEACHDAN. B’e Di-ciaduin s’a chaidh a’ cheud latha dhe’n charghus. Tha Di-dònaich na Càisge a tighinn trath am bliadhna, air a chòigeamh latha do dh’ April. Tha nighean òg do’n ainm Hattie Benedict, ann am Marengo, N. Y., an deigh dùsgadh á suain anns an robh i fad còrr us mios. ’Si so an treas suain anns an deachaidh i an taobh a stigh de cheithir miosan. Sgaoil pàrlamaid Nobha Scotia Di-sathairne s’a chaidh, an deigh dhi bhi cruinn ùine ni bu ghiorra na bha i riamh roimhe. Cha robh fior mhoran aca ri dheanamh, agus cha robh reusan air a bhi cosg moran ùine. Tha Sir Tearlach Tupper car tinn a chuir a’s mò dhe’n ùine bho’n chaidh e dh’ Ottawa. Cha robh e ’na àite an tigh na parlamaid ach aon fheasgar air an t-seachdain s’a chaidh. Tha amhach agus a shùilean a cur dragh air. Ann an aon tigh an Grand River, tha triùir a fuireach a tha ’n deigh aois mhor a ruigheachd. Tha ’n t-aon a’s sine ceithir fichead bliadhna ’sa deich, an darra h-aon ceithir fichead ’sa còig, agus an treas aon, ceithir fichead. Tha naodh ceud ’s tri fichead ’sa deich de Dhomhnullaich anns an t-siorrachd so. Gun na th’ ann an Sidni ’s an Sidni Tuath, a chùnntas, tha tri fichead sa’ deich anns an t-siorrachd do’n ainm Alasdair Domhnullach, tri ficaead ’sa h-aon deug do’n ainm Aonghas Domhnullach, agus seachd fichead sa dha do’n ainm Iain Domhnullach. Chaidh clar-cuhimhne a chur suas ann an eaglais St. Andrew’s air an t-seachdain so, do’n Urr. Uisdean Mac Leòid, D. D., ceud mhinisteir na sgireachd, a chaochail o chionn da bhliadhna. Bha an Dotair Mac Leòid na dhuine ainmeil agus measail; bha moran de’r luchd-leughaidh glé eòlach air nach bi toilichte an clàr briagha ud fhaicinn air a chur suas na chuimhne. Tha fios air tighinn o chionn seachdain gu bheil Dr. Nansen an deigh ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd. Tha Nansen ainmeil air soa a chuid rannsachaidh anns an àirde tuath, agus tha e o chionn treis a dh’ ùine ’strith ris an fhior cheann a tuath a ruigheachd. Tha moran dhaoine dhe’n bharail nach eil an sgeul so a thainig ceart, ach gheobhar a mach an ùine gun bhi fada co-dhiu tha no nach eil. ’S ioma duine bochd a chaill a bheatha, o chionn cheud bliadhna, a’ rannsachadh a mach na h-àirde tuath. Tha Gilbert, am fear a mharbh caileag bheag ann am Boston o chionn bliadhna, air a dhiteadh gu bàs. Bha e ri bhi air a chrochadh an dé, mur deachaidh tilleadh a chur ’sa bhinn. Bha àireamh dhotairean timchioll air o chionn ghoirid feuch an robh e aig a thùr fhéin, agus rinn iad a mach gu robh. Bha a cháirdean air an t-seachdain so a’ cur tagraidh dh’ ionnsaidh riaghladair na Staite air son a bheatha leigeadh leis. Cha chuala sinn co-dhiu fhuair no nach d’ fhuair an tagradh sin éisdeachd. B’ i oidhche Di-luain s’a chaidh an oidhche cha b’ fhuaire thainig air a’ gheamhradh so. Cha robh na h-oidhchanan fuara am bliadhna gle phailt, agus cha robh iarraidh orra. Thuit moran sneachda o chionn seachdain, ach gu fortanach cha robh bheag a chathadh ann, agus mar sin ged tha na ròidean gu math trom, cha’n eil iad cho dona ’sa dh’ fhaodadh iad a bhi. Chaidh muillean-sàbhaidh le fear Mac-Ille-mhaoil, na teine ann an Sidni Tuath oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, agus a losgadh. ’S ann air éigin a fhuaireadh na taighean mu’n cuairt o ghabhail, tigh-comhnuidh ’Ic-Ille-mhaoil fhéin am measg chàch. Bha inneal ùr air a cur a stigh an latha sin fhein. Cha robh airgead-urrais air a’ mhuilinn idir. Tha an call air a mheas aig da mhile dolair. Chaidh factoridh cholairean na teine ann an Troy, N. Y., feasgar Di-luain s’a chaidh, agus loisgeadh i gu làr. Bha mu thri cheud de nigheanan ag obair innte, agus a chuid mhòr dhiubh air na lobhtaichean; loisg an teine an aon staidhir a bh’ann, agus bha iad mar sin air an dùnadh a stigh. Cha’n eil fhios fhathast cia meud a chaidh a losgadh, ach tha e cinnteach gu’n do chailleadar fichead us deich air fhichead am beatha. Chaidh an tigh aig bantrach Fhionnlaidh Mhic Leòid, air taobh deas an Eilein Mhoir, ’na theine oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh e gle thearm air a bhi air a losgadh gu làr. Bha an sgalag, Domhnall Mathanach, na laidhe tinn leis a ghriùraich, agus dhùisgeadh e air feadh na h-oidhche leis a cheò. Bha an teine air tigh’n a mach air toll pioba a bh’ air an t-simileir, agus air greimeachadh air a phaipear. Bha e air faotainn air cùl an linigeidh, sa’ deanamh greim math air an tigh nuair a fhuaireadh casg a chur air. Bha carpet a b’ fhiach da fhichead dolair air an rùm san robh ’n teine, agus bha roinn de dh’ àirneis luachmhor ann, agus chaidh an tur mhilleadh. Tha an t-Urr. Ruairidh Mac Leòid, a bha àireamh bhliadhnaichean air a shuidheachadh ann an sgireachd Strath-Lathairnn, ’san eilean so, agus an deigh sin ’an Dunbheagain, an Ontario, an deigh a dhol gu cho-thional Huron. Bha an gairm aon-ghuthach, agus ged a bha ceangal mor aige ri co-thional Dhunbheagain, ghabh e e, agus bha e air a shuidheachadh ann a’ Huron air an 20mh latha dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha coinneamh mhòr aig an t-sluagh beagan lathaichean an deigh sin a’ cur fáilte air. Tha iad a toirt dha mile dolair ’sa bhliadhna agus mansa. Thug e an searmon mu dheireadh do mhuinntir Dhunbhheagain air an treas latha deug, agus an ath oidhche bha coinneamh aca, dh’ ionnsuidh an d’ thainig gu ire bhig gach aon ’sa cho-thional a dh’ fhágail beannachd aige. BAS. Ann an Sidni, air an treas latha deug de’n mhios so, an deigh tinneas fada Robert Màrtuinn, mac do dh’ Alasdair Màrtuinn, seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e ’na ghille a bha glic, stuama, caoimhneil, agus air an robh deagh mheas aig na h-uile bha eòlach air. FEBRUARAIDH, 1896. 1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645. 2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 3 Di-luain 4 Di-mairt. Rugadh Robert Peel, 1788. 5 Di-ciaduin. An càirteal mu dheireadh dhe’n t-solus, 8.24, feasgar. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh 7,17. 8 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 5.11. 9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh 10 Di-luain 11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692 14 Di-haoine. (13) An Solus Ur. 11.59, maduinn. 15 Di-sathairne 16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid. 17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh 7.02. 18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh 7.00. 19 Di-ciaduin. I latha dhe’n Charghus. 20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam. 21 Di-haoine. A cheud chairteal dhe’n t-solus, 5.01, feasgar. 22 Di-sathairne 23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaich ’sa Charghus. 24 Di-luain 25 Di-màirt 26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh 6.47. 27 Dior-daoin. A ghrian a’ laidhe 5.41. 28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar. 29 Di-sathairne. Fad an iatha, 11u. 1m. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 262] [Vol. 4. No. 33. p. 6] IAIN AN FHAMHAIR. Ri linn Righ Artair nam buadh bha tuathanach còir an Cinntìre an Sasonn, an siorramachd Chornwall, aig nach robh ach aon mhac, agus ’se Iain a b’ainm dha. Bha Iain na bhalchan ro fhearail. B’e ’thoil-ìnntinn a bhi ’g eisdeachd ’sa leughadh sgialachdan air buidsichean, ’s air draoidhean, ’s air famhairean, agus air sìthichean; agus cha’n iarradh e de shòlas ach a bhi cumail cluaise ri ’athair ag aithris mu éuchdan nan cuiridhnean calma—Ridirean a’ Bhuird-Chruinn aig Righ Artair. An uair a chuirteadh Iain do’n fhireach a bhuachailleachd nam bò ’s nan caorach, bhitheadh e, a chumail ’fhadail dheth fhéin, a tarrainn bhlàr a’s séisdidh dhaingneach, agus a’ dealbhadh na inntinn mar a chìosnaichead ’s mar a ghabhadh e fàth air nàmhaid. Cleasachd cloinne bige cha b’fhiù leis; agus b’ainmig e a fhuair a’ chuid a b’fhearr dheth ’sa ghleachd. Bha e cho deas, seòlta, ’s ged a thuiteadh air uair gu ’n tachradh a sheise air, gu ’n robh buaidh ag éiridh leis anns gach cìnnseal. Anns an àm ud bha famhair mòr a’ fuireach an Cruaich-Mhìcheil an Cornwall—béinn a tha mach ’sa chuan astar math bho thir. Bha e ochd troidhean diag air àirde agus naoidh air liad agus ùrla cho déisinneach, fiadhaich ’s gu’n robh e ’na chulaidh-eagail do na coimhearsnaich. Bha e fuireach an uamha dhuibh dhorcha am fas-mhullach na beinne; agus bu nòs da coiseachd roimh ’n mhuir gu tir air tòir cobhartaich. Cha luaithe chiteadh e tighinn air fàireamh, na theicheadh an sluagh le’m beatha ás na tighean. An uair a dh’itheadh e sheachd sàth de mhairt-fheoil agus de mhuic fheòil, thilgeadh e leth-dusan damh air a mhuin, agus a thrì urad sin de mhucan agus de chaoraich, cheangladh e àir a bhac-stic, agus thrialladh e dhachaidh do’n uamha. Is se seo a bu bheus da fad bhliadhnaichean; agus mur do chrean criochan Chornwall air a chuid chreach! Mu dheireadh chuir Iain gu cruadalach roimhe cur as da. Togar air ma ta, le dùdaich, le sluasaid, le piocaid, agus le crùisgean; agus an toiseach na h-oidhche faide geamhraidh, snàmhar a null do Chruaich-Mhìcheil. Chaidh e gun mhaille an dàil oibre, agus cian roimh latha chladhaich e toll fichead troidh air doimhneachd le a dhìol leòid. Dhùin e bial an tuill le créubhaich agus le soplach, agus chrath e sciotan ùrach air uachdar sin gus am famhair a chur ás ’umhail. An sin shéid e dhùdach fhein le sgairt cho mòr, onfhach ’s gun do dhùisg e as a shuain am famhair. Thàinig e air imeachd an rathad a bha Iain, ’s ghlaodh e le fuam tàirneanaich; “A pheasain bheadaidh, bidh daor an ceannach agad air mise dhùsgadh. Cuiridh mi air a’ ghrìosaich thu ’s bidh tu agam gu ’m bhraic-mhias.” Gun tuilleadh bhriathran thugar sith g’a ionnsuidh ’s tuitear na ghleog an comhair a chinn ’san toll le saidse cho mòr ’s gu’n do luaisg e bheinn! “O hò, Ghoistidh,” ars’ Iain ’se coimhead sìos do’n toll, “An ne gu’n d’ràinig thu’n t-iochdar mar tha! Ciod is gléus do d’ stamaig? Am bheil dad idir ann a dh’fhòghnas dhut gu’d bhraic-mhias air a’ mhaduinn fuar so, gun Iain bochd a ròisteadh?” Thug am famhair glideachadh, air fhein gu éirigh, ach bhuail Iain a’ phiocaid air am mullach a’ chinn agus mharbh e dh’aon bhéum e. Gun mhoille, gun dàil, thill Iain air ais a thoirt furtachd dha chàirdean le sgial-bàis an fhamhair. An uair a chuala triathan Chornwall mu’n éuchd seo, chuir iad fios air Iain, agus le aon ghuth thuirt iad gur h-e Iain-an-Fhamhair a bhiodh mar ainm air bho’n uair sin; agus thug iad claidheamh dha, agus crios guailne, agus sgriobh iad air; an litrichean-òir,— “Is mis’ Iain Còrnach an sàr-chuiridh, Mharbh mi Cormoran le buille. Chualas mu’n euchd so a rinn Iain, ’s cha b’fhada h-uige, anns gach cearna dh’àirde-niar Shasonn; agus bhòidich famhair a bha’n sin do’m b’ainm an Buamastair-Sean, a bhi dìoghailte ’s Iain ma bha e gu bràth an dàn da fhaotainn na ghlacan. Bha’m famhair seo fuireach an caisteal-gheasan ann an coillidh lethoirich. Mu cheithir miosan an deaghaidh bàs Chormorain, thàinig air Iain, air a thurus do Chuimridh, dol roimh ’n choillidh seo; leis an sgìos, rinn e suidhe a leigeil analach aig taobh tobair àlluinn, ’s tuitear na shuain-chadail. Anns a’ chears àm sin thàinig am famhair thun an tobair a dh’iarraidh uigse. Rinn an sgribheadh a bh’air a’ chrios-ghuailne Iain a bhrath; agus is e bh’ann gu’n do thog am famhair gu socrach air a mhuin e g’ a thoirt leis do’n chaisteal. A’ triall dhaibh roimh dhlùths na coille dhùisg fuaim nan duilleag e, agus bha e an cruaidh-staid gu leòir an uair a fhuair e e fhein an crògan an fhamhair. Ach cha bu dad idir e lamh ris an eagal a ghabh e an uair a ràinig iad an caisteal—bha ’n t-urlar lom-lan de chlaiginn ’s de chnaimhean sluaigh. Thug am famhair a’s tigh do sheòmar mòr anns an robh cridheachan, a’s lamhan, a’s casan, a’s cinn, nan daoine bh’air an ùr-mharbhadh; agus thuirt e ris, le braoisg sgreamhail, gur cridheachan dhaoine dh’annlann air pheabar ’s air fhìon-géur, lòn-bìdh bu mhilse leis a gheobhadh e; agus cuideachd, gu’n robh a shannt air ròic a bhi aige air a chridhe-san. Gu’n tuilleadh seanchuis, ghlais e Iain ’s an t-sheòmar agus dh’fhalbh e dh’iarraidh famhair eile bha fuireach ’sa choillidh chiadna gu bhi comaith ris. An uair a bha esan air falbh, ghoir gach ceàrna de’n chaisteal le sgriachail, a’s gearan, a’s glaodhaich a bha oillteil; agus an uair a thainig balbhadh air sin, chual Iain guth cianail a toirt na caismeachd seo dha fhein:— Teich, a choigrich thréin gun dàil— Bidh am Buamasdair mu d’ bhàs, Bheir e leis an t-athach breun— Beist is ascaoin’ na e fhein. Theid do riasladh cian gu goirt— Do chur gu bas gun iochd, gun toirt. Fàg, a choicrich threin, an dun— ’S cobhartach thu, laoich, do’n tnuth. Theab an sanais seo cridhe Iain a chur ás a chochull. Thug e leum thun na h-uinneige, ’s faicear an da ghòsganach ud a’ tighin an achlaisean a cheile. Bha’n uinneag dìreach os cionn geataichean a’ chaisteil. “Nise,” ars’ Iain, “cha’n eil ann domh ach bàs no beatha cia dhiubh. Thuit gun robh dà theadhair ’san t-sheomar agus chuir Iain mialaire agus lub-ruith air ceann gach teadhrach. An uair a bha na famhairean a’ tighinn roimh na comhlaichean-iaruinn thilg Iain na teadhraichean thar an cìnn agus cheangail e iad gu gramail ris an spàr. An sin tharrainn a’s tharrainn e le ’uile neart gus an robh iad an ìmpis a bhi tachdte. An uair a chunnaic e gu’n robh iad le cheile dubh-ghorm ’san aodunn, ’s gun chaill iad an clìth, tharrainn e chlaidheamh ás an truaill, agus theirinn e air an teadhair, agus sgud e na cìnn de na famhairean: mar seo theasraig e e fhein bho’n bhas a bha iadsan ag cum- [TD 263] [Vol. 4. No. 33. p. 7] adh ris. An sin ruraich Iain builisgean a’ Bhuamastair, agus fhuair e pacan-iuchraichean annta, agus ghabh e air ais do’n chaisteal. Cha d’fhàg e cuil no cial gun siubhal gu mean, agus fhuair ann triuir bhaintighearnan an crochadh air fhalt ’s iad an ìmbis fannachadh. Dh’innis iad dha fàth am pianaidh—mharbh na famhairean na daoine aca, agus bho’n nach itheadh iadsan am feòil ’se fannachadh am bàs a shonruicheadh dhaibh. “A bhaintighearnan,” ars’ Iain “chuir mise ás do’n uilebheist agus do ’n daoidh a bhràthair; agus an eirig gach droch-dhìol a’s doruinn a dh’ fhuilig sìbhse, bheir mi dhuibh an caisteal seo agus gach ulaidh a th’ànn.” An sin liubhar e gu suairce dhaibh iuchraichean a’ chaisteil, agus thriall e air a thurus do Chuimridh. Eadar. le ABRACH. Cha ’n eil teagamh nach i co-fhlaitheachd Andorra an dùthaich a’s lugha th’ air an t-saoghal. Tha i suidhichte ann an gleann mor a tha measg mam Pyrenees, beanntan a tha eadar an Fhraing agus an Spàinn. ’Nam biodh na tha innte dh’ fearann uile air a chur ann an cumadh ceithir-chearnach, cha bhiodh e ach mu thri mile deug a dh’ fhad ’s a leud. Ach tha an dùthaich bheag so ’ga riaghladh féin, agus tha ’n riaghladair a tha thairis oirre a’ faotainn tri pùinnd Shasunnach ’sa bhliadhna (mu $15) mar thuarasdal air son a sheirbheis. Tha caraid anns na Staitean a’ sgriobhadh thugainn gu bheil e dol a chur bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a dh’ ionnsuidh sgoilear ann an te de sgoilean an Eilein Sgiathanaich, mar dhuais air son a thapachd mar sgoilear Gàilig. ’S aithne dhuinn feadhainn eile tha cur a MHAC-TALLA gu cairdean òga air son gu’n ionnsaich iad a Ghàilig a leughadh. Agus air leinn gur math an gniomh a tha iad a’ deanamh. Ma dh’fhàsas an òigridh suas agus meas aca air a Ghàilig, cha’n eagal gu’n teid i bàs. Tha Sir Beniamin Richardson, aon de na lighichean a’s ainmeile tha’m Breatuinn, ag radh gur e àireamh bhliadhnaichean mac an duine ceud bliadhna ’sa deich, agus na’n toireadh daoine an aire dhaibh féin gu’n ruigeadh seachdnar as an deichnear dhiubh an aois mhòr sin. Caradh Uaireadairean Glanadh $0.50 Mainspring .60 An da chuid 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 264] [Vol. 4. No. 33. p. 8] Oran do na Fasain. (Bho’n “Ard Albannach,” 1876.) URLAR. Tha solus aig Miss Laing Anns na seomraichibh, Maighdeanan ro ghrinn Aice comhnuidh annt’, Cnap an cul a cinn, Cnot uime de shiod’, Fasan ’thug i ’n tir so ’S cha bhoidheach e. ’S mor gu ’m b’ fhearr a’ chir, ’S car uimpe de stiom, Currachd air an cinn, ’S e bu bhoidhche leam. ’S ann is coltach sibh, Ri maighdeanan Libht’ H-uile te ri stri Co is leomaiche: Seacaidean dhe’n t-sioda Mar chomhdach orr’, Gini air a pris Mu’n cuirear i uimp’; Creachaidh iad an tir so Le’n goraiche. Comhairl’ bheirinn fhin Air na h-oganaich, Gun iad a bhi stri Ris an t-seors’ ud dhiu, ’S goirt a bhios an cinn, Mur faigh iad an ti, B’ fhearr a bhi ’s a chill Na bhi posda riu. SIUBHAL. Na maighdeanan luideach, Le’n trusganaibh neonach, ’Se fasan gun tlachd A tha aca ’g an comhdach. Bidh tunic mu’n cruachain A’s bearnaichean suas asd’, Com eil’ as air fhuaigheal Tha fuathasach neonach Le’n caiseart elastic, A’ stroiceadh ’s a srachadh; ’S ann dh’ fheumas iad carpet Bhi aca fo’m brogaibh. Ma fhliuchar an casan Bidh cnatan gu leoir orr’, Co’s urrainn an cumail, ’S iad uile cho proiseil? Cha ’n ’eil stath a bhi ’g innseadh Mar dh’ fhag iad an tir so; Le’m fasain ro riomhach, Gu’n d’ mhill iad a storas, An t-aodach ’s an eais’eart A chleachd sinn o’r n-oige, Cha’n fhuiling iad gas dheth Ach fasain ro neonach, Tha’n inntinn air ghluasad A mach thar uan cuantan, Gu Galldachd ’s an uair, Far am buanaich iad storas. ’S ann a sheolas iad thairis Far robh Fionn o chionn tamuill, A dh’ eilean na meala; ’Se fearann na h-oige, Far an cnuasaich iad barrachd ’Sa mhaireas ri ’m beo dhaibh. Gheibh iad uachdarain fearainn, ’Chumas suas iad ri ’m maireann, ’G am bi spreidh agus earras; ’Sud barail nan leomg. URLAR. Tha maighdeanan ’s an tir so Tha morchuiseach, Tha desert a dhith Air gu leoir aca, ’S rud anns am bi brigh Bhios aca le ti; Cha’n fheum fhear gun ni A bhi ’n toir orra. Cha dean biadh na tir’ Nis dhaibh dad de bhrigh; Caillidh iad an cli Ma bhios eorn’ aca. Cha’n eirich iad trath, Cha tig e ri ’n cail; Fuireach anns a bhlaths Sud a chordadh riuth’. ’S mor an t-aobhar thruais Mar tha cuid de’n t-sluagh ’Nis air cinntinn suas Ann a’ strodhalachd. Fasain ’bha ’s an Fhraing Air tighinn a nall, Bidh soiree anns an am Air gach comhdhail ac’. Cha dean brochan meig Feum an aite ti, ’S mor an t-aobhar spid A the dh’ olas e. B’ fhearr dhaibh brochan cail ’Ghabhail ’s a’ mhios Mhairt, ’Se bheireadh dhaibh slaint’ Fad am beo-laithean; Dh’ fhagadh fallain fuasgailteach Ogail iad; Fulangach air fuachd, Muigh an am na buan’, Ged bhiodh sneachda suas Mu na dornaibh ac.’ Sin agad a’ bhuaidh A bha air an t-sluagh O’n a chuin iad suas, Cha robh prois annta. AN CRUNLUATH. Clainn-nighean anns an fhearann so ’S b’ e ’n t-amadan gun eolas, A theannadh riu ri leannanachd. No mhealladh gin de’n t-seorsa. Tha’n inntinnean cho farralach ’S nach urrainn sibh ’g an anacladh, Bidh fuaim ’n an drium gun charachadh A gearain air an comhdach. Cha’n eirich iad ach ain-deonach Mur cuirear ti an tarruinn dhaibh, A thogas fuachd na maidne dhiubh Mu’n ceangail iad an cota, Gu’n cum iad cnamhan-tealaich riut Ag innseadh mar ’tha ’n aim-beartas, ’S a mheud ’s a th’ orra dh’ anshocair Le ghainnead ’s a tha ’n storas. Ged leanainn air an ealainn dhaibh, Fhad ’s bhithinn air an talamh so, Cha’n innsinn trian de’n aimbeartas Tha’n ceangal ris a phor ud! DOMHNULL MAC RUARIDH. Reicidh D. J. Domhnullach, na th’ air fhàgail de’n bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saor ’sa ghabhas deanamh. Taghail aige. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad ile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 265] [Vol. 4. No. 34. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 29, 1896. No. 34. Litir a Alba. MO BHALACH GASDA:—Anns an litir a sgrìobh mi thugad mu Nollaig thug mi gearr-iomradh air mar a tha daoine òga an latha ’n diugh cho spaideil ’s cho mòr asda fhéin. Thuirt mi gu ’n tugainn iomradh anns an ath litir air cuid eile de ’n atharrachadh a thàinig air a Ghàidhealtachd o chionn dà fhichead bliadhna. Ach cha do chum mi ri m’ fhacal. A dh’innseadh na firinn dut cha robh e furasda dhomh cumail ri m’ fhacal; oir chuir an tuairsgeul cogaidh a bh’ anns an t-saoghal air an àm a h-uile naigheachd eile as m’ aire. Dh’éirich so do ’n chuid a’s mò de shluagh na rioghachd. Chuireadh e ioghnadh ort an spiorad cogaidh a dhuisg anns gach duine, ach duine ainneamh. Nam b’ éiginn e, rachadh mòran de bhodaich mar a tha mi fhéin a chogadh an aghaidh nan Geancach agus nan Gearmailteach. Ach is cinnteach gur beag a dheanamaid an uair a sheasamaid ri aghaidh batail an coimhes ri daoine òga, treuna, làidir, ionnsaichte mar a tha saighddearan na rioghachd. Ach dheanamaid ar dìchioll. “Cha dean an duine lag ach a dhìchioll.” “Is fhearr dìchioll an duine laig na neo-shunnd an duine làidir.” Feumaidh mi nis beagan a sgrìobhadh mu ’n atharrachadh a thàinig air an duthaich, mar a gheall mi. Thogadh mòran de dheagh thaighean air feadh gach cearn de ’n Ghàidhealtachd o chionn da fhichead bliadhna. Ach is mò a thogadh de thaighean matha a chionn chòig bliadhna deug na thogadh ann an còig bliadhna fichead roimhe sin. Mar is trice, is e taighean geala a tha daoine ’togail o chionn deich no dusan bliadhna. Tha iad a’ cur stuadhannan orra, agus tha iad air an tubhadh le sgliat, no le paipear-tearra (felt), no le sinc. Tha na ballachan air an deagh thogail le cloich ’s le aol, ach tha am balla-muigh air a dheanamh dìonach, daingean le sement. Tha am balla stigh an darra cuid air aoladh gu snasail, ar neò air a lìnigeadh le giubhas. Gheibhear giubhas dhachaidh as a’ Ghalldachd air a shàbhadh, air a locradh, agus air a ghròbadh, mòran ni’s saoire na dheanteadh anns an duthaich e, ged a gheibhteadh na làileathan agus na plancannan gun sgillinn. Mar is trice, tha coig seomsaichean anns gach taigh—a tri gu h-ìosal ’sa dhà gu h-àrd. Mu’n tig coig bliadhna deug o’n diugh cha’n eil mi creidsinn gu ’m bi teine ri fhaicinn air meadhon urlair ann an Alba. Ann an iomadh àite tha a’ mhòine air fàs gann. Tha na bogaichean a bha faisg air làimh air ruith a mach gu buileach. Tha mòran de dhaoine òga na duthchadh an aghaidh seasamh ann am poll-mònadh. Cha toir fear seachad latha buain mhònadh a nis, mur faigh e da thastan, no ma dh’ fhaoidte leth-chrun, agus dà dheadh bhiadh. Am fear aig nach ’eil each is cairt dha fhein, feumaidh e crun ’san latha a thoirt a dh’ fhear a théid le each is cairt a tharruinn na mònadh dhà. O chionn beagan bhliadhnaichean tha daoine a faicinn gur e an gual a’s saoire dhaibh na mhòine. Gheibhear deadh ghual ann an àite sam bith, ach àite ainneamh, air son còig taisdain deug an tunna. Ach cha fhreagair an gual do neach aig am bheil an teine air meadhoin an urlair, oir cha ’n ’eil deathach a’ ghuail fallain. Is ainneamh àite anns am faicear crann-treabhaidh fiodha. Tha cuimhne agamsa an uair nach robh crann-treabhaidh iarruinn aig fear sam bith ’san duthaich ach fear-baile. Anns an àm sin bhiodh saoir na duthchadh glé thrang fad a’ gheamhraidh ’s an earraich a’ deanamh chrann is chliathan. Ach an diugh, cha ’n e mhàin gu bheil crann-iaruinn aig gach fear, ach tha cliath iaruinn aige mar an ceudna. Tha ’n duthaich air fàs anabarrach Gallda. Ann an cuid de nithean cha ’n fheàirrd an duthaich sin dad. Cha mhisde an duthaich na taighean a dh’ fhàs Gallda; ach cha ’n fheairrde i dad na bheil ’n ar measg de bhiadh Gallda, ’s de dh’ aodach Gallda, ’s de dh’ fhasanan Gallda, ’s de chainnt Ghallda, ’s de bheachdan Gallda. Tha na bheil de ghnothaichean Gallda ’n ar measg an deis atharrachadh mòr a thoirt air nàdur dhaoine. Mar is Gallda a tha daoine a’ fàs ’s ann is lugha a nochdas iad de chaoimhneas do na daoine a tha bochd feumach anns an duthaich. “Ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs,” mar a thuirt am fear roimhe, cluinnidh tu uam gun mòran dàlach. Is mi do charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH Taobh an Locha. Gheibh ar leughadairean anns an àireamh so da litir ghasda as a Ghàidhealtachd; aon bho “Iain” a toirt dhuinn naigheachdan na seann dùthcha, agus aon bho “Bhodachan a’ Ghàraidh,” a toirt cunntas air an liuthad atharrachadh a thainig air a’ Ghàidhealtachd o’n thainig Gàidheil na duthcha so air imrich. Tha sinn cinnteach gu’m bi ar leughadairean uile glé thaingeil dha’n “fhodachan” chòir air son a litir, agus gu bheil iad an dòchas gu’n cuir e nall tuilleadh dhiubh ag innse mu chor na duthcha, agus an t-sluaigh. Ged a tha dàimh mhor aig sliochd nan Gàidheal anns an duthaich so ri tir an athraichean, mar bu dual ’s mar bu chòir, cha’n eil a chuid mhor dhiubh ach gle aineolach air cor na duthcha aig an àm so, agus uime sin bidh gach fiosrachadh a gheibh iad air an dòigh so gle thaitneach leotha. Reicidh D. J. Domhnullach, na th’ air fhàgail de’n bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saor ’sa ghabhas deanamh. Taghail aige. [TD 266] [Vol. 4. No. 34. p. 2] BEAN A’ MHISGEAR. CAIB. V. “Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.”— Gnath. 23. 21. Aird-fheasgair an là ’r na mhàireach, thàinig am maor-sìthe mar a gheall e. Fhuair e Seònaid bhochd ’na suidhe ri taobh an teine ’s i gu trom, tùrsach. Shaoileadh e gu robh i còig bliadhna ni bu shinne na bha i an latha roimhe sin. An uair a dh’éirich i ’bhreith air làimh air bha ’ceum trom, agus bha dath a’ bhàis air a h-aghaidh. Dh’fheuch e ri comhfhurtachd, agus misneach a thoirt dhi mar a b’ fhearr a b’ urrainn da; ach cha robh sin furasda ’dheanamh. Dh’ innis e dhi gu faigheadh i do’n phrìosan a dh’fhaicinn Sheumais, nan togradh i dol ann air an fheasgar ud fhéin. Gun dàil sam bith rinn i deas air son falbh. Dh’fhàg i ’chlann air cùram a bana-choimhearsnaich gus an tilleadh i. Chuireadh i truas air duine ’bhith ’ga faicinn a’ coiseachd na sràide leis an staide anns an robh i. Bha i ’n ’n dùil gu robh a h-uile neach a thachradh rithe ag amharc sios oirre. Ar leatha gu robh i cluinntinn cuid ag ràdh. “Nach fhaic sibh bean Sheumais bhàin a’ falbh do ’n phrìosan a dh’amharc air ’se ann an sàs air son droch-bheairt? Chunnaic sinne uair i ’s bu mhoiteil as i. Bha dùil aice nach robh fear eile cho math ris ri ’fhaotainn ann an ceithir ranna ruadha ’n t-saoghail. Mur toir so oirre a beachd atharrachadh is neònach e.” An uair a ràinig i ’m prìosan thugadh a steach i do ’n chùil anns an robh Seumas. A’ cheud shùil a thug i air cha d’ aithnich i e. Thugadh dheth am falt briagh, bàn, air an robh leithid de mheas aige, agus an fheusag. Bha e còmhdaichte le éideadh a’ phrìosain, agus e na shuidhe ’cìreadh chalcais. Ghrad dh’aithnich esan ise; ach cha b’ urrainn aon seach aon facal a labhairt fad mionaid no dha. Mu dheireadh labhair Seumas mar so:— “A Sheònaid, a ghràidh nam ban, nach ann agad a tha ’n deagh nàdur an uair a thàinig thu idir ’g am amharc-sa! Na ’m biodh cho beag de mheas agad ormsa ’sa th’ agamsa orm fhìn cha bhruidhneadh tu rium air an t-sràid. Bha meas agam riamh ort o ’n a chuir mi eòlas ort. Bha ioghnadh orm iomadh latha gu robh thu cho ciùin, foighidneach rium an uair a bhithinn anamoch gun dol dhachaidh, agus mi air mhisg. Och, Och, is mi ’dh’ fhaodadh a ràdh mar a thuirt am fear roimhe—‘’Se ’n stòp a rinn mo bhristeadh, ’se ’n t-òl a dh’ fhàg gun mheas mi.’ B’ fhada mise ’n aghaidh luchd an òil latha ga robh mi. Bha mi ’n dùil an uair sin nach b’urrainn gu ’m bithinn fhìn ’n am mhisgear gu bràth. Tha eagal orm gu robh mi air mo lìonadh le féin-fhìreantachd, agus le féin-spéis:—da cheap-tuislidh ro mhòr. Ach, a Sheònaid, feumaidh mi innseadh dhuit gu bheil mi a’ creidsinn nam briathran a labhair mo sheanair am éisdeachd an uair a bha mi ’n am bhalach beag. Bha mo sheanair, tha mi ’creidsinn, ’n a dhuine diadhaidh. Bha e anabarrach fada an aghaidh luchd-an-òil. Thuirt e gur i an smugaid a chuir an droch-spiorad as a bheul a chuir a’ bheirm ris a’ cheud uisge-beatha. B’ iomadh latha a rinn mi ceòl-spòrs de bhriathran an t-seann duine chòir. Ach tha mi-fhìn ’n am cheol-spòrs an diugh, agus ’n am chuis-thruais. Agus a Sheònaid, is cuimhne leatsa gu ’n do gheall mise dhuit sgur de ’n òl ’s de ’n ghòraiche; ach an uair a théid duine a chur an aghaidh buairidh ’na neart fhéin faodaidh e bhith cinnteach gu ’n tuit e. Tha mise a’ faicinn gu soilleir nach ’eil ann ach amaideas mòr do neach sam bith a bhith cur earbsa ’na neart fhéin.” “Ma ta, Sheumais,” arsa Seònaid, “thàinig, mise ’g ad amharc, cha ’n ann a chum teannadh ri do ruith sios, oir tha mi ’faicinn gu bheil thu fada gu leòr shios mar tha, ach a chum misneach a thoirt dhuit. Dh’ fhàg thu mise agus do chlann bheag fo mhasladh; ach ma bhios tu glic, eadhon a nis, faodaidh gu ’m bi gnothaichean ceart gu leòr fhathast. Mar a tha ’n fhìrinn ag ràdh, ‘Le shlighibh féin lìonar esan a thionndaidheas air ais ’na chridhe.’ Is duilich leam, a Sheumais, thu bhith anns a’ chùil bhig, chumain so. Nan robh comas agamsa air d’ fhuasgladh cha bhiodh tu oidhche eile anns an àite so; ach feumaidh tu cur le cùisean mar a thig iad. ‘Ge b’e ni a shiol-chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.’ Feumaidh cùisean a bhith mar so; ach gun tuilleadh dàlach thoir thu fhéin suas gu buileach, eadar chorp agus anam, do Dhia. Na biodh eagal sam bith ort nach gabh Dia riut. Cha téid Dia an cois fhacail gu bràth.” Ach am feadh ’sa bha i toirt nan comhairlean so air, agus iomadh comhairle mhath eile, bha fear-coimhid a’ phrìosain a’ gabhail fadachd nach robh an còmhradh a a bh’eatorra ’tighinn gu crìch, agus thuirt e gu feumadh iad aig an àm dealachadh. Dh’ fhàg iad slàn aig a chéile mar nach biodh iad gus a chéile ’fhaicin a chaoidh. Thill Seònaid dhachaidh mòran ni bu toilichte na bha i an uair a dh’ fhàlbh i; oir thuig i gu robh Seumas air a thoirt gu bhith ’faicinn gu ’n do pheacaich e gu h-antromaichte ann am fianuis Dhé. Bha fhios aice gu ’m b’e ’n t-eòlas so air a staid thruaigh fhéin aon de na ceuman leis am bheil am peacach air a thoirt a dh’ ionnsuidh Dhe. Le cuideachadh chàirdean agus luchd-eòlais fhuair i na dh’ fhoghainn di fhéin ’s do ’n chloinn fad na h-ùine a bha Seumas anns a’ phriosan. Bha araon i fhéin agus cuid eile de na càirdean an dòchas gu faigheadh e steach do ’n obair anns an robh e roimhe, agus o’n a bha h-uile coltas gu ’n tugadh e’n aire dha fhéin ni b’ fhearr na rinn e riamh, bha iad an dùil nach biodh éis air fhéin no air a theaghlach fhad ’sa bhiodh a shlàinte aige. Ach an latha bha dùil ris dhachaidh cha d’ thàinig e. An uair a rinneadh forais air a shon anns gach àite anns an saoilte anns am faighte iomradh air, cha robh sgeul ri ’fhaotainn air. Cha robh fhios co dhiu bha e beò no marbh. Bha a’ chuid bu mhò de na càirdean ag ràdh gu robh iadsan cinnteach gur ann thuige sid a thigeadh a’ chùis air a cheann mu dheireadh. Cha robh Seònaid ag ràdh a bheag. Ach an còrr uair a labhradh i mu ’n chùis theireadh i gu robh dòchas aice gu faiceadh i fhathast e ’na dhuine measarra, modhail, deanadach. CAIB. VI. Chaidh latha ’n déigh latha seachad, agus cha chualas guth no iomradh air Seumas. B’ éiginn do Sheònaid bhochd air a’ cheann mu dheireadh dùil thairis a thoirt dheth. Cha deanadh i fhéin ’sa ceathrar phàisdean feum as aonais bìdh, agus aodaich, agus blàthais. Cho math ’s gu robh ’na càirdean agus an luchd-eòlais—agus feumar aideachadh gu robh iad glé chaoimhneil rithe—bha fhios aice nach robh iad comasach air i fhéin ’s a chlann a chumail [TD 267] [Vol. 4. No. 34. p. 3] suas. An ceann ùine ghoirid b’ éiginn di an taigh fhàgail agus aon seòmar beag, mi-chomhfhurtail a geabhail ann an àite ìosal, iomallach de’n bhaile. Cha robh i fada anns an àite so an uair a thòisich an aon bu shinne a bh’ aice—caileag bhòidheach, ghlan—ri searg ’s ri dol as. B’i ’chaileag so an aon chuideachadh a bh’ aice. B’ ann le fuaghal, ’s le fighe air bhioran a bha i ’feuchainn ri i fhéin ’s a chlann a chumail beò. Bhiodh a’ chaileag so a’ dol air thursan beaga dhi, agus ag altrumas an aoin a b’ òige an uair a bhiodh i fhéin a’ fuaghal, ’s a fighe. Mu dheireadh bhrist air slàinte na caileig gu buileach. Cha b’ urrainn i fhein a’ bheag sam bith a dheanamh ach an aire a thoirt air a’ chloinn gus an rachadh iad a laidhe ’s an oidhche. Shuidheadh i ’n uair sin aig an fhuaghal, no aig an fhighe gus am biodh e suas ri tri uairean ’s a mhaduinn. ’Se bh’ ann gu ’n do thòisich a slàinte fhéin ri géilleadh mu ’n d’ thug i fa near e. Am measg a càirdean bha aon bhean chòir a bha glé iochdmhor, truasail, ri creutairean bochda mar a bha Seònaid, agus a pàisdean. Air latha àraidh tàinig i far an robh Seònaid a’ fuireach. ’Sann a ghabh i uamhas an uair a chunnaic i ’n staid anns an robh i fhéin ’s na pàisdean. Bha ’n euslainte, ’s am bròn, ’s am bristeadh-cridhe, an déigh Seònaid bhochd a chnàmh cho mòr ’s ged a bhiodh i leth-bhliadhna ann an tinneas. Bha ’chaileag bhòidheach, ghlan, a b’ abhaist dhi fhaicinn gu h-ùrail beothail, sunndach, ’na sìneadh ’san leabaidh, ’s dath a bhàis air a gnùis. Cha robh ach gann na dhathadh an luch de theine ’s an t-simileir. Cha robh an dreach fhéin air a chuid a bha slàn de ’n chloinn. Cha b’ urrainn a’ bhean chòir so facal a ràdh gus an robh i tiotadh ’na suidhe ’s an t-seòmar; oir thàinig mar gu ’m biodh, meall ’na h-amhaich. Mu dheireadh, an déigh dhi feòraich mu ’n chaileag a bh’ anns an leabaidh, ’s mu nithean eile a bhuinneadh do shuidheachadh an teaghlaich, thubhairt i:— “A sheònaid bhochd, ’s ann agam a tha’ n truas riut, fhéin ’s ris na pàisdean laga th’ air am fàgail agad. Cha ’n eil ’nam chomas-sa mòran cuideachaidh a dheanamh leat. Ach ni mi ni ’s urrainn mi a chum thu fhéin ’s na truaghainn bheaga so a thoirt troimh ’n t-saoghal gu comhfhurtail, ma chaomhnas an Freasdal sinn taobh air thaobh. Gabh misneach, agus feuch ri do chridhe chumail suas cho math ’sa dh’ fhaodas tu. Gus a so chum an Ti a tha riaghladh, agus do ’m buin na h-uile nithean, suas thu fhéin ’s na bhuineadh dhuit. Tha iomadh a h-aon air feadh an t-saoghail cho mi-fhortanach riutsa. Feumaidh iad a bhith beò ged a tha iad ann an éis. Earb thusa thu féin agus do chlann ri freasdal an athair a ta air nèamh. Tha fios agamsa gu bheil thusa, anns an t-seadh a’s àirde na do leanabh dha. Nis, thoir fa near an gradh a th’ agad fhéin do na leanaban beaga th’ agad an so, agus cuimhnich gu bheil e sgriobhta ann an iomadh àite ’s a’ Bhìobull gu bheil gràdh Dhé d’a chloinn, agus a chùram ùmpa, mòran ni ’s mo na ’s urrainn sinne ghabhail a steach. Mu thimchioll an duine thruaigh a thug le amaideas fhéin masladh is trioblaid, is bròn, air fhein ’s air a theaghlach, cha ’n eil feum a bhith ’g ràdh a bheag. Aig an fhreasdal tha fios c’ àit am bheil e, no am faic thusa no mise sealladh dheth gu bràth. Thug mise iomadh comhairle air ged nach do ghabh e iad. Ma tha e beò tha e far nach ruig mo chomhairle-sa, no do chomhairle-sa air; ach ruigidh cumhachd agus gràs-bacaidh Dhé air. Air an aobhar sin, biomaid le chéile a’ tagradh ri Dia gach latha air a shon. “Ach, a Sheònaid, cha’n fhaod thusa fuireach ni ’s faide ’san àite bhochd so. Araon ann an seadh aimsireil, agus spioradail, tha cunnart mòr ann dhuit fhein ’s do na pàisdean a bhith fuireach an so. Tha barrachd chairdean agad fhéin ’s aig do theaghlach na tha thu ’n dùil. Chuir na càirdean so airgiod cruinn agus ghabh iad taigh anns am bheil tri seòmraichean air do shon gu ceann bliadhna. O’n a chuala iad gu ’n d’ thug an éis ’s an éiginn ort rud de ’n innsreadh a b’ fhearr a bh’ agad a reic, chuir iad innsreadh anns an t-seòmar a’s fhearr. Ni an citsin, agus a’ chlòsaid a chùis math gu leòr dhuit fhéin ’s do ’n chloinn, agus faodaidh tu duine no dithis a bhith agad ’s an t-seòmar eile.” Bha Seònaid ag éisdeachd fad na h-uine a bha a bhanacharaid a’ labhairt. Mu dheireadh, cha b’ urrainn di cumaìl oirre fhéin gun teannadh ri gul. Thug so faothachadh dhi. An sin thubhairt i:— “Gun teagamh sam bith tha làimh an Fhreasdal anns an obair a ghabh na càirdean os làimh a dheanamh air mo shon-sa ’s air son mo chloinne. Tha mi toirt taing dhasan a chuir ’nan cridheachan oidhirp a thoirt air mo thoirt as an àite thruagh so, agus mar an ceudna dhaibhsan a nochd a leithid de mhòr chaoimhneas dhomh. O chionn làithean air ais, bha mi gu tric air mo lionadh le cùram agus le iomaguin mu thimchioll nam pàisdean bochda, neo-chiontach a th’ agam. Tha mi ’n dùil gu bheil mi ’fuireach ’s an earrann a’s aingidhe de ’n bhaile. Cha do shaoil mi idir gu robh e comasach gu ’m biodh a chainnt eagallach, agus na gnìomharran aingidh tha dol air adhart anns an àite so a’ dol air adhart ann an àite air talamh nam beò. Mar a tha ’n fhìrinn ag ràdh, agus mar a tha fios agamsa air mo chosg, “Truaillidh droch comhluadar deagh bheusan.” Mar a dh’fhaodas neach sam bith a thuigsinn, tha e glé chruaidh le màthair dealachadh ri aon de ’cloinn; ach is iomadh uair a thuirt mise rium fhìn gu ’m b’fhearr leam, nam b’ e toil an Fhreasdail e, iad a bhith air an gairm air falbh nam pàisdean beaga mu ’n truaill am peacadh gnìomh iad, na iad a bhith ’tighinn beò anns an dòigh ghràineil, aingidh anns am bheil am beag, cho math ris a’ mhòr a’ tighinn beò ’s an àite chianail so. Chum geallaidhean an Tighearna m’ inntinn suas gu h-iongantach gus an nis. An diugh fhéin thàinig an gealladh so gu làidir fa chomhair m’ inntinn:— “Cha’n fhàg agus cha tréig mi ’m feasd thu.” Agus nach mi dh’fhaodas a ràdh gu ’n cùm an Tighearna ri ’ghealladh?” Tha ceud ’sa h-aon deug air fhichead de luchd-lagha anns a Phàrlamaid Bhreatunnach, agus ceud ’sa còig de luchd-fearainn. Tha da fhichead ’sa h-aon de mhic no de bhràithrean mhorairean ann, naoidh deug air fhichead de dh’ Oifigich airm, air muir ’s air tir, a h-aon deug air fhichead de luchd-phaipearan-naigheachd, a h-aon deug de lighichean, deich oilearan, coig deug de thuathanaich, agus a dha dheug de luchd-oibreach. [TD 268] [Vol. 4. No. 34. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 29, 1896. A Loch Lomond. Tha na càirdean ag iarraidh oirnn iomradh a thoirt air cor nan Gàidheal anns gach àite ’sam bheil an còmhnuidh. Cha do sgriobh duine mu thimchioll an àite so, far am bheil dluth air sia fichead teaghlach a thàinig a mach às na h-Earadh, agus à Uidhist-a-chinn-a-Tuath anns na bliadhnaichean 1828, 1842, agus 1843. ’S e sin a tha toirt ormsa an litir bheag so a chur ugaibh. Cha ’n eil tinneas agus bàs a’ dearmad an àite so nas mò na àit’ eile, ag innse dhuinn nach eil an so àite-còmhnuidh seasmhach againn, agus sinn a chur ar taigh an ordugh, oir gu cinnteach gheibh sinn bàs. Chaidh bean Phàdruig Dhùghlaich a bhualadh le pairileis an la roimhe agus i ’deilbh ann an taigh coimhearsnaich. Tha sinn taingeil gu bheil i nise na ’s fhearr. Chaochail Eilidh, nighean òg chliùiteach le Murchadh Mac Cuthais, air a cheathramh latha de ’n earrach, aig aois bliadhn’ air fhichead agus naodh miosan. ’S i chaitheamh a thug am mach i, an tinneas a tha glé choitchionn anns an dùthaich. Tha piuthar dhi, Seònaid, an te eile dhe na twins, glé iosal leis an tinneas cheudna. Tha e glé dhèuehainneach air an teaghlach. Dh’ éug am mathair chaomh dlùth air ceithir bliadhna air ais. Chaochail mar an ceudna air an ochdamh latha de ’n mhios so, Gilleasbuig, Mac Néill ’Ic Cuthais, ann am Boston, far an robh e féin agus an teaghlach a còmhnuidh dlùth air còig bliadhna. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh le Niall a mhac agus adhlacadh. Bha e ’na dhuine còir sìobhalta aig an robh meas nan uile bha eòlach air. Bha e tri fichead bliadhna a dh’ aois. Dh’ fhag e bean, ceathrar nighean, triùir ghillean a caoidh athair agus còmpanach a bha dìleas agus dleasanach. ’Se piuthar-athar do Mhac-Ille-Mhaoil a tha sgriobhadh ugaibh á Eileanan na Boille (E. P. I.), agus a companach a’ chàraid a’s sinne a tha anns an àite so. Tha iad còmhladh a nise o chionn còrr us tri fichead bliadhna, agus tha iad le chéile gu slàn tapaidh fhathast. UIDHISTEACH. O chionn faisg air bliadhna chaidh gille dubh a mharbhadh le nìghinn òig ann am baile Washington. Bha e goid ubhlan á gàradh a h-athar agus loisg i urchair air, a chuir crioch air air a bhad. ’S ann an la roimhe thugadh gu cuirt i agus fhuair i as le càin coig ceud dolair a phàigheadh agus a dhol d’ an phriosan fad thri uairean. Nach càm ’s nach dìreach an lagh! Tha beatha ’n duine dhuigh bhochd anabarrach saor anns na Stàitean. Sean Fhacail. Gléus ur air seana mhaide. Glòir mhòr aig collainn bhig. Glac am méirleach mu ’n glac e thu. Glas air an tigh an deigh na gadachd. Glac thusa foighidinn, us glacaidh tu iasg. ‘Gug, gug,’ arsa ’chubhag, latha buidhe Bealltainn. Gob a chalmain-chàthaidh, bidh tu slàn mu ’m pòs thu. Iasad a chaibe gu’n a chur ’san talamh. Im ri ìm cha bhiadh ’s cha ’n amhlann e. B’e sin a bhi cur na caora air theadhair làimh ri tigh a mhéirlich. Bata ’s treise na ’n cuaille, gille ’s uaisle na mhaighstir. Bha coinneamh aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Dior-daoin. Bha àireamh de bhuil ura air an taghadh, agus bha gnothuichean eile a thaobh math a’ chomuinn air an cur air dòigh. Bha Iain Siosal a làthair, agus thug e dhaibh dha no tri chuairtean gasda air a phiob. Bidh an ath choinneamh aig a chomunn air an Dior-daoin mu dheireadh dhe’n Mhàrt. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 269] [Vol. 4. No. 34. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Mr. Daibhidh Mac Keen, a bha àireamh bhliadhnaichean ’na fhear-pàrlamaid do’n t-siorrachd so, a nise air a ghairm do’n t-Seanadh. Cò aige gheobh sinn an leabhar-òrain do’n ainm “Co-chruinneachadh Ghlinn-a-bhàird?” Bheir sinn air a shon “Orain Iain Luim,” no 35c a dh’ airgead. Chaidh seachd fichead ’sa h-ochd de na h-iasgairean a bh’ air cabhlach iasgaich Ghloucester a bhàthadh an uiridh. Bha àireamh mhor dhuibh sin a mhuinntir Cheap Breatunn, Nova Scotia, us Eilean a’ Phrionnsa. Bha stoirmeannan gàbhaidh air a Mhuir Dhuibh air an t-seachdain so. Chaidh seachd soithichean smùide agus ochd deug de shoithichean seòlaidh a chur dh’ an ghrùnnd. Tha iad a deanamh a mach gu ’n deachaidh còrr us ceud duine a bhàthadh. Tha Seanalair Middleton, a bha ’na cheannard air arm Chanada ’nuair a bha cheannairc ’san Iar-Thuath, a nise ’na fhear-gleidhidh an t-suaicheantais rioghail, ann an Tur Lunnainn. Tha e ri bhi faighinn ceithir mile punnd sa bhliadhna mar thuarasdal, agus dachaidh shaor anns an Tùr. Bha reis each air an acarsaid so Di-sathairne s’a chaidh. Cha robh an deigh glé mhath leis na bh’ oirre de shneachda, agus mar sin cha robh e comasach do na h-eich an luaths a nochdadh. Choisinn each Challaghan, ’sa bhaile so, a cheud duais, agus láir Phower, ’san Reserve an darna duais. Bha sluagh mor cruinn ’g an amharc. Thatar a lodadh guail ann an Louisburg a chuid a’s mò dhe’n ùine, agus tha cuid de na mèinnean ri roinn mhath de dh’ obair. Tha iad an dùil gu’m bi a bhliadhna so gu math na’s fhearr anns na mèinnean na bha bhliadhna ’n uiridh. Tha acarsaid Louisburg fosgailte fad a’ gheamhraidh, ’nuair tha gach acarsaid eile ’san dùthaich dùinte. Phàigh Stàit Maine an uiridh coig ceud deug us deich dolair fhichead air son marbhadh mhathan us mhadadh-alluidh. ’Se aon mhadadh-alluidh a chaidh a mharbhadh, agus b’e a cheud fhear o chionn iomadh bliadhna, ach bha tri cheud ’sa còig de mhathain air am marbhadh. Bha coig dolair an ceann air a phàigheadh air son cur as daibh. Chaidh clag Louisburg a reic an la roimhe, agus tha e gu bhi air a thoirt gu Montreal. Bha e fad àireamh bhliadhnaichean ann an te de dh’ eaglaisean Halifax, far an deachaidh a thoirt direach à Louisburg an deigh am baile bhi air a thoirt bho na Frangaich. Tha an clag a nise, ma dh’ fhaodar, a radh, air a sheann eòlas a measg nam Frangach. ’Se phris a chaidh a phàigheadh air, ceud dolair. Thatar a nise ’n deigh amhrus mor a leagail air fear eile air son mort Anna Kempton, aig Bear River, N. S. Dh’ fhàg Innseanach, do’n ainm Eòseph Pictou, an t-àite tràth ’sa mhaduinn a cheart latha a fhuaireadh an nighean bhochd marbh ’san tigh. Bha e ’g radh gu robh e ’dol a dh’ obair dh’an choille àireamh mhiltean air falbh, ach an àite sin ’s ann a chaidh e gu ruige Yarmouth, agus ann an sin chuir e seachad an ùine bhuaithe sin na thàmh. Tha iomadh ni air tigh’n am follais a tha cur amhruis air, agus tha cuid dhe’n bharail gur h-e tha cionntach agus nach e Wheeler. Thainig an soitheach-smùide Strathcarron a stigh do Louisburg a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh. Bha i luchdaichte le ceithir mile tunna siùcair à Java, agus bha i seachdain no dha air deireadh, agus air ruith a mach à gual. An uair a bha i tìgh’n a stigh bhuail i air sgeir air taobh an ear na h-acarsaid, agus chaidh beagan millidh a dheanamh oirre. Cha robh fear-iùil air bòrd aice gus an deigh dhi bualadh, agus an deigh dhi fear a ghabhail air bòrd bhuail i air an sgeir a rithist, ach cha d’ rinneadh uiread millidh oirre air an turus sin. Bha tri fichead tunna sa coig deug dhe’n t-siùcar air a mhilleadh. A sheachdain gus an Di-ciaduin ’sa chaidh, chaidh fear Iain A. Strathy, a mharbhadh air starsach a thaighe féin le fear do’n ainm Brennan. Thainig Brennan dh’ ionnsuidh an tighe aige, agus bha sabaid aca mu’n dorus, Strathy a feuchainn ri chur a mach as an tigh, agus ’se chrioch a thainig air a ghnothuch, gu’n do loisg Brennan air an fhear eile le daga, ’ga mharbhadh air a bhad. Bha Brennan o chionn faisg air da bhliadhna dealaichte o bhean, ’s cha robh fhios aige càite ’n robh i. Bha e dhe’n bharail gu robh fhios aig Strathy, agus chaidh e g’a ionnsaidh a dh’ fheòrach dheth. Cha ’n innseadh Strathy dha, agus ’s ann mu sin a chaidh iad bhar a chéille. Thug an duine truagh e féin suas do na maoir gun dáil. Thachair so ann am Barrie, an Ontario. Thachair sgiorradh uamhasach ann am Viedendrop baile beag anns an Transvaal, a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh. Bha ochd carbadan luchdaichte le dynamite nan seasamh air an rathad-iaruinn, agus spraidh iad. Cha robh tigh am faisg leth-mhile mu’n cuairt nach deach a leagail gu làr, agus an taobh a stigh de chairteal na h-uarach chaidh da fhichead corp a thoirt as na droighnichean. Chaidh mu cheud a mharbhadh air fad, agus còrr us da cheud a leònadh. Cha mhor gu’n d’ fhàgadh losan glainne slàn anns a’ bhaile. Bha moran sluaigh air am fàgail gun dachaidh. Chaidh leth muillein dolair a chur cruinn air son iad sin a chuideachadh. Tha iad a’ deanamh a mach gur h-e dh’ aobharraich an spraidheadh fear de na nàisinnich, a bha aineolach air an stuth, feuchainn ri fear de na soithichean anns an robh e fhosgladh. FEBRUARAIDH, 1896. 1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645. 2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 3 Di-luain 4 Di-màirt. Rugadh Robert Peel, 1788. 5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhe’n t-solus, 8.24, feasgar. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7.17. 8 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 5.11. 9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh. 10 Di-luain 11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692 14 Di-haoine. (13) An Solus Ur, 11.59, maduinn. 15 Di-sathairne 16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid. 17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh 7.02. 18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh 7.00. 19 Di-ciaduin. I latha dhe’n Charghus. 20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam. 21. Di-haoine A cheud chairteal dhe’n t-solus, 5.01, feasgar. 22 Di-sathairne 23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaich ’sa Charghus. 24 Di-luain 25 Di-màirt 26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh 6.47. 27 Dior-daoin. A ghrian a’ laidhe 5.41. 28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar. 29 Di-sathairne. Fad an iatha, 11u. 1m. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 270] [Vol. 4. No. 34. p. 6] NA H-UBHLAN. Bha duine ann aon uair aig an robh aon mhac, agus mar is tric a thachair, bha am mac so a’ faotainn barrachd de thoil fhéin na bu chòir dha. Thòisich e an uair a bha e eadar còig deug agus fichead bliadhna ri bhith ’leantuinn cuideachd ghillean òga a bh’ bh’ air dhroch oilein. Thug ’athair an aire mar a bha, agus gu tric labhair e ris gu ciùin, sìobhalta, agus dh’ innis e dha gu robh e anabarrach cunnartach dha a bhith ’cumail cuideachd ri gillean gòrach, gun mheas, gun mhodh. Dh’ innis e dha iomadh naigheachd air mar a bha gillean agus nigheannan òga gu tric ag ionnsachadh an uilc o dhroch companaich. Dh’ éisdeadh a mhac gu foighidneach ri naigheachdan de’n t-seòrsa so, ach bha e sior leantuinn air a bhith cumail cuideachd nan droch companach a h-uile cothrom a gheibheadh e. Cha robh so uile gun fhios d’a athair; agus rud nach b’ioghnadh bha cradh mòr air ’inntinn air a shon. Latha de na làithean, thu e leis a mhac do sheòmar beag cùil a bh’ anns an taigh, agus ’na làthair chuir e da ùbhal dheug a bha ùr abuich, agus fallainn, ann am bocsa beag, agus an teis-meadhon nan ùbhlbn matha so chuir e ubhal a bh’ air teannadh ri grodadh, agus dhùinn e ’m bocsa gu cùramach. An uair a dh’ fheòraich a mhac dheth ciod bu chiall de’n rud a rinn e, thuirt e. “A mhic dean thusa foighidinn, agus gheibh thu fios air an aobhar air son an d’rinn mi so ri ùine. Cha robh air so ach so fhein. Chaidh gnothaichean air an aghaidh mar a b’ àbhaist daibh. A reir choltais dhichuimhnicheadh gu robh na h-ùbhlan anns a’ bhocsa. Uair is uair chuimhnich an gille òg gu’n do chuireadh ann iad, ach an corr smaointean cha d’ éirich ’na chridhe mu’n timchioll. Air latha àraidh thuirt ’athair ris, “’S fhearr dhuit am bocsa anns an do chuir sinn na h-ùbhlan a thoirt do m’ ionnsuidh feuch am faic sinn cia mar a tha iad.” Thugadh am bocsa làthair, agus dh’ fhosgladh e; ach ma dh’fhosgail, bha h-uile te de na h-ùbhlan a bha ùrabuich, agus fallainn, an latha chuireadh ’s a’ bhocsa iad, air grodadh ’s air a dhol o fheum. “Nach iongantach a mhic mar a chaidh na h-ùbhlan matha chuir mi anns a’ bhocsa so o fheum ann an ùine cho goirid!” “Ma ta, athair, cha’n ’eil e ’na ioghnadh sam bith leamsa. Nach do chuir sibh fhéin ùbhal ghrod nan teis-meadhon an latha ’chuir sibh anns a’ bhocsa iad? Na’n do chuir sibh na h-ùbhlan matha anns a’ bhocsa leò fhein cha b’ eagal daibh. Ghrod an aon ubhal ghrod a h-uile te de chàch. Nach noònach nach tug sibh fein so fa near?” “A mhic, tha mi toilichte gu’n tug thu fhein fa near an t-aobhar air son an deachaidh na h-ùbhlan matha o fheum. Ach bha toil agam d’inntinn-sa tharruinn a dh’ ionnsuidh a’ chunnairt leis am bheil thu air do chuairteachadh o latha gu latha. Nis, ma chuir an aoa ubhal neò-fhallainn a chuir mi ’sa’ bhocsa, an da ubhal dheug eile a bha fallainn, o fheum ann an ùine cho goirid, nach cuireadh da ubhal dheug neò-fhallainn, aon ubhal fhallainn o fheum ann an ùine mòran ni bu ghiorra? Tha thu fhéin a’ tuigsinn so gu math. Tha cheart uibhir de bhuaidh aig na droch companaich thairis ortsa ’s a bhiodh aig da ùbhal dheug neò-fhallainn thairis air aon ùbhal fhallainn. Ma leanas tu an comunn truaillidh a tha thu ’g iarraidh a bhith leantuinn, an ùine gun bhith fada, bidh tu gun fheum, gun mheas, gun chiataidh, gun tlachd. Nach tric a dh’ innis mi dhuit gu’n truail droch comhluadar deagh bheusan. Cuimhnich air na h-ùbhlan.” Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Tha sìde anabarrach math againn o chionn corr is mios. A reir beachd nan seann daoine is ann a tha ’n t-sìde tuilleadh is math. Cha ’n fhaca sinn a’ bheag de shneachda o thoiseach a’ mhios mheadhonich a’ gheamhraidh. Fhuair sinn gaoth is uisge gu leòr, ach cha d’ thainig stoirm mhòr o mheadhon a’ gheamhraidh. O’n a thàinig a’ bhliadhn’ ùr is gann gu robh latha fuar againn. Bha na làithean mu dheireadh de’n gheamhradh anabarrach, blàth. O’n a thàinig an t-earrach a steach (a sheachdain gus an diugh) bha ’n t-side gle bhlàth. Mar is trice is ann o’n deas ’s o’n iar-dheas a tha ’ghaoth, agus tha na gaothan so blàth an comhniudh. Ach is cinnteach gu tig fodha so mu’n teirig an t-earrach. Bha daoine o chionn fada ’gabhail beachd gur i a’ bhliadhna anns an tigeadh a’ ghaillionn na h-àm fhéin a’ bhliadhna a b’ fhearr. Ged a tha ’n t-sìde mhath gu math, agus ’na toileachadh mòr fhad ’s a mhaireas i, is e i thighinn ’na h-àm fhein is fhearr. Cha ’n ’eil làn an dùirn de shneachda ri’ fhaicinn air a’ bheag de na beantan a’s àirde ’s a’ Ghaidhealtachd. Tha ’n Cuilithionn, a’ bheinn a’s àirde ’san Eilean Sgiathanach, cho glan o shneachda ’s a b’ àbhaist di a bhith ann an ceud mhìos an t-samhraidh. Ged a tha ’n t-side gu math cha d’ rinn daoine a’ bheag a dh’ obair tuathanachais fhathast, mur tug iad greisean air feamanadh. Ann an iomadh àite de’n Eilean Fhada fhuair iad cuid mhath de dh’ fheamainn, agus tha pìosan mòra aca air a thodhar air son buntata ’s arbhair. Cha d’ rinneadh a’ bheag de threabhadh fhathast, ach na chaidh eilbheadh air son tuirneip is buntata. Tha e car tràth air son teannadh ri treabhadh talmhainne laig. Tha na tuathanaich mhòra ag obair air treabhadh a’ ghlais, agus tha ’n t-àm aca. Tha stoc na dùthchadh a’ seasamh ris gu math. Tha biadh gu leòr aig caoraich am beinn ’s am baile. Mur tig fior dhroch shìde mu’n teirig an t-earrach bidh am fodar pailt gu leòr. Tha am biadh cho saor ’s a bha e an uiridh, agus foghnaidh sin. Tha so gu mòr ann am fàbhar nan daoine bochda a dh’ fheumas a bhith ’ceannach na mine, mar a dh’ fheumas an àireamh a’s mò de shluagh na duthchadh a dheanamh anns na bliadhnachan so. Cha ’n ’eil a’ bheag de naigheachdan annasach againn ri innseadh aig an àm so. Is math an naigheachd a bhith gun naigheachd. Cha ruig sinn a leas guth a thoirt air na bagraidhean cogaidh a tha sinn a’ cluinntinn, oir tha na paipearan-naigheachd cho lionmhor anns gach àite ’s gu bheil fios aig sluagh gach dùthchadh air mar a tha cùisean, ged nach tugamaid iomradh air. Faodar a ràdh gu bheil spiorad beothail, treun a’ chogaidh anns na Gàidheil mar a bh’ annta riamh. Rachadh iad do ’n arm gu toileach nan saoileadh iad gu robh an rioghachd ann an cunnart. Tha a’ cheart spiorad ri fhaotainn anns na Goill. An àm a bhith bruidhinn air a’ chogadh, cha’n aithnichear co dhiubh a tha daoine ’nan Goill no ’nan Gàidheil; ’nan Liberals no ’nan Tories. Is ann mar so bu chòir do’n chùis a bhith an comhnuidh. IAIN [TD 271] [Vol. 4. No. 34. p. 7] Beatha ’n Tuathanaich. Tha aon ni gu mòr am fàbhar an tuathanaich; ’se sin gu bheil an obair aige na’s fallaine na obair sam bith eile. Tha iadsan a chuir beachd air a chùis ag innse dhuinn gu bheil da fhichead tuathanach as a’ cheud a ruigheachd aois tri fichead bliadhna ’sa deich. Cha’n eil a measg cheannaichean ach coig deug air fhichead as a cheud, a measg shaighdearan tri deug air fhichead as a cheud, agus a measg luchd-lagha us leighichean naodh air fhichead as a cheud, a ruigheachd na h-aoise sin. Tha na’s lugha de dh’ iomguinn an co cheangal ri obair an tuathanaich na tha ri obair no ceaird sam bith eile, agus ’si ’n iomguinn a tha giorrachadh saoghail dhaoine, ’s cha ’n i ’n obair. Gun teagamh sam bith, tha aige ri obrachadh gu cruaidh, agus tha a theachd-an-tir ann an tomhas mor air a chumail air ais le droch shide, le biastagan a bhios a nuilleadh a bharra, agus le ais-innleachdan dhroch luchd-malairt; ach thoir fa-near an ceannaiche, am bancair, am fear-teagaisg, no am pears eaglais, agus chi thu gu bheil a’ chuid mhor dhiubh a’ saoithreachadh gu cruaidh, agus gu bheil an iomguin ’s an cùram féin aca. Tha àireamh bheag anns gach ceaird, aig nach eil ach beagan obrach ri dheanamh agus a tha faotainn pàighidh mor, ach ’sann gle bheag a tha ’n àireamh. Tha na ceannaichean ’s na bancairean gu tric a’ bristeadh. ’Se àireamh bheag as a’ cheud dhiubh a tha seasamh an casan fad am beatha. Tha moran aig fear-teagaisg na sgoile, agus aig a’ phears’-eaglais ri ghiulan nach tig am feasda chur dragh air an tuathanach. ’S iad na tuathanaich, aig am bheil fearainn shaor, agus a tha pàigheadh an cuid fhiachan, na daoine a’s neo-eiseamailiche, agus a’s fhearr dheth a th’ air uachdar an domhain. Na ’m faiceadh na gillean òga tha fàs suas an diugh, nithean direach mar a tha iad, bhiodh a chuid mhor dhiubh gle thoileach tòiseachadh le beagan air mir fhearainn, agus an criochan a mheudachadh a reir ’s mar a bhiodh iad a’ faotainn air adhart. Cha chòir do’n mhac a bhi ’n dùil gur coltach dha bhi cho math air a dhòigh, ’sa cheud dol a mach, ’sa tha ’athair an deigh dha bhi saoithreachadh uile làitheana bheatha. Tha ’n duthaich a toirt bàrr air a’ bhaile a thaobh slàinte, “uisge glan us àile,” ceòl ian, measan cùbhraidh, agus biadh fallain; agus ma tha ’n tuathanach saor o fhiachan, tha cogais ghlan aige, agus tha e ’cur seachad a shaoghail na’s sona agus na’s sùnndaiche na tha fear a tha leantuinn ceaird sam bith eile. Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 272] [Vol. 4. No. 34. p. 8] ORAN LE UILLEAM ROS NACH EIL IDIR ’NA LEABHAR. ’S tu Mhòrag rinn mo bhuaireadh, Bho’n chunna mi Di-luain thu; Tha m’ aigne leat a gluasad, Cha tàmh e mar bi buaidh leis, ’S mar géill thu bidh mi truagh dheth. LUINNEAG. ’S i luaidh mo chadail Morag, Mo ghaol ’s mo chagar Morag, Gu ’m b’ ait leam agam Morag, ’S bu taitneach leam do chomhradh, A Mhorag ghrinn nan dlùth-cheum, Nan còtaichean ’s nan gùintean, ’S nan ribeanan bho ’n bhùtha; Mar d’ rinn mi mearachd cùnntais, Bu ro-mhath ’n céile Diùchd thu. Ged ’s lionar te a chi mí Cha ’n eil iad uile ’m pris riut. ’S tu Bhenus measg nam miltean, ’S e t-eugas thug mo chlith bhuam ’S a dh’ fhag an diugh làn dith mi God ’s iomadh ceum a bha mi Cha’n fhacas te thug bàrr ort, Do phearsa tha ro dhàicheil, Do bheusan tha gun fhàillinn, ’S tu ’n fheinics measg an àil so. ’S tu ’n reul a measg nan òighean, Do mhaise rinn mo leònadh, Do ghruaidh dh’ fhag fann na ròsan, Do dheud dh’ fhag glas an neoinin, Cha leir dhomh smal ad bhòidhchead. Gur tric mi air mo ghluasad ’S mi cuimhneachadh nan uairean A bha mi leat an uaigneas ’S a ruith le ceuman luatha, ’S nach till iad tuille nuadh oirnn. ’Nuair bhios mi ann am ònar Na’m chadal ann am sheòmar ’S mi bruadar air do bhòidhchead, Sin duisgidh mi le sòlas An dùil gu ’m bi sinn còmhla. Tillidh an t-uisg ri sléibhtean, Bidh sneachda dubh air gheugan, Mu ’n caochail air mo spéis dhuit: ’S tu m’ annsachd ’s mo dheo-gréine ’S cha dibeir mi ’nam chéil thu. Do shaighdean rinn mo leònadh ’S a chuir mi uil á òrdugh, Cha bhi mi tuill an sòlas Mur failtich thu le pòig mi, ’S do làmh a’ gealltainn còir dhomh. Nis chuala tu mar tha mi, Gu bheil mo chridhe ’n gràdh ort; O cuimhnich air do nàdar Is tionndaidh ann am blàths rium, ’S na faic a chaoidh ’nam thràill mi. ’S’ i luaidh mo chadail Morag, Mo ghaol ’s mo chagar Morag, Gu m’ b’ ait leam agam Morag ’S bu taitneach leam do bhomhradh. BHO ALASDAIR AN RIDGE. Iarr gach ni air Camaronach, ach na iarr ìm air. Far an Robh mi ’n Raoir. Cha ’n ’eil fios aig duin’ air thalamh, Far an robh mi ’n raoir; Cha robh leam ach Mairi Ailein, Far an robh mi ’n raoir; Fhuair mi gealladh bho mo chaileig— Beul nach canadh foill— Ann an gleannan caoin a’ bharraich, Far an robh mi ’n raoir. Bha na h-eoin a’ seinn le caithream Far an robh mi ’n raoir: Iad a’ danns’ air bharr nam meangan Far an robh mi ’n raoir; Faile cubhradh driuchd ’us meala Dheth gach bad ’sa choill; Cha robh smuid no stur a’ bhaile Far an robh mi ’n raoir. Cha robh feum air grein no geallaich Far an robh mi ’n raoir; Barr nan craobh a’ sgaoileadh tharainn Far an robh mi ’n raoir; Le mo ghaol a ’s caoile mala Dh’ fhan mi seal de ’n oidhch’ Measg nan neoinean boidheach, geala Far an robh mi ’n raoir. Cha robh smaoin air maoin no fearann Far an robh mi ’n raoir; Cha robh stor no or air m’ aire Far an robh mi ’n raoir; Cha robh luchairt riamh air thalamh Ann an dreach ’s an loinn, Air am fagainn sgail a’ bharraich Far an robh mi ’n raoir. Bidh mi ’cuimhneachadh ri m’ mhaireann Far an robh mi ’n raoir; ’S air an oigh o’n d’ fhuair mi gealladh Far an robh mi ’n raoir; Gus an cairear mi ’san anart Cha tig smal no foill Air mo ghradh do Mhairi Ailein ’S far an robh mi ’n raoir. NIALL MAC LEOID. Tha Dr. Jamieson, am fear a chaidh air ceann feachd do’n Transvaal a chogadh an aghaidh riaghladh na duthcha sin, a nise ann an Lunnainn far am bheil aige ri cuirt a sheasamh air son a chuid oibreach. Tha ceithir duine deug eile còmhla ris air an coireachadh air son a dhol a chogadh ri duthaich a bha aig sith ri Breatuinn. Tha iad a mach fad che’-la-deug air urras, da mhile punnd am fear. A’ CHOISIR-CHIUIL.—Gheobhar aon phàirt de ’n Choisir air son ainm agus dolair aon fhear-gabhail ur a chur a dh’ionnsaidh a MHAC-TALLA, agus na tri pàirtean air son da ainm ur agus da dholair. Tha àireamh mhath an deigh am faotainn mar tha, agus tha sinn ag earbsa gu ’n coisinn mòran eile iad an uine gun bhi fada. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 273] [Vol. 4. No. 35. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 7, 1896. No. 35. Priceville, an Ontario. Tha mhiann orm aig an àm so tòiseachadh air eachdraidh an àite so a sgriobhadh. Cha’n eil mi ’g radh gu’n teid agam air a dheanamh gle mhath, ach coma co dhiu, ni mi cho math ’s is aithne dhomh. Tha mu leth-cheud bliadhna bho’n chaidh a choimhearsnachd so a shuidheachadh, agus ’s beag a tha dh’ fhios aig òigridh an latha ’n diugh air gach cruadal troimh ’n deachaidh an aithrichean an deigh dhaibh tigh’n á stigh do’n choille mhòir. Bha aca ri cur suas le iomadh ni air nach eil eòlas sam bith aig àl an àm a tha làthair, fuachd us acras us iomadh ana-cothrom eile. Cha robh taighean aca ach bothain bheaga logaichean ’s na tuill ’s na sgaran air an stopadh le còinnich. Dh’ fheumadh iad am biadh a bha iad ag itheadh a ghiùlan air am muin deich mile. Cha bu ghnothuch mòr sam bith le duine ceud punnd flùir, tuagh, agus moran de nithean beaga eile a ghiulan mar eallach. Mhaireadh poca flùir agus pùnnd ti do dh’ aon duine fad mios. Cha robh feòil no im no ùbhlan ann, ach b’e ’m biadh am bitheantas sgonn de bhonnach mòr a dheasaicheadh duine e-fhéin an deigh ’obair-latha. B’e ’n dòigh bhruich a bhiodhteadh a’ gabhail do’n bhonnach sin a chur fo’n luathainn dheirg anns an t-simileir no anns an stòbh, àgus a chòmhdach thairis le griosaich, agus gu dearbh ’se bhiodh blasda tigh’n as. B’ aithne dhomh fear Donnacha Moireastan (tha e beò fhathast) a ghiùlan da bhuiseal de chriothnachd fichead mile dh’ astar, agus a chuir e an latha sin féin! Bha timchioll a bhaile bhig so an toiseach air a chuartachadh le daoine dubha. Bhiodh iadsan ann sna h-amannan ud a’ giùlan an an cuid uallach air mullach an cinn. Bha iad glé leisg, oir chleachd iad a bhi ’nan tràillean an tùs an òige, agus ’nuair a fhuair iad a bhi ’nam maighstirean orra féin, bha iad an dùil nach bu chòir dhaibh car obrach a dheanamh idir. Cha’n eil aon duine dubh ri fhaicinn ’sna criochan an diugh. Tha roinn mhòr de Ghàidheil ri fhaotainn ’san àite. Thainig pàirt dhiubh direach as an t-Seann Dùthaich, agus thòisich iad air a choille mhòr a chur bun os ceann, obair air an robh iad glé aineolach, ach cha d’ thug iad fad oirre ’nuair a bha iad suas rithe cho math ri daoin’ eile. Chruinnich iad ’nam badanan comhladh an sid ’s an so, agus gheobhair an sliochd mar sin an diugh. Ghabh na h-Eirionnaich an dòigh cheudna. Bha e ’na chleachdadh aig daoine ’san àm ud, ’nuair bhiodh cuideachd mhor cruinn,—aig togail no aig Bee-logaidh, mar a’ theireadh iad—uisge beatha bhi aca; bha iad a’ smaoineachadh gu robh e cheart cho feumail dhaibh ri ’n dinneir, agus b’ fhearr le cuid tigh’n as aonais am bidh na tigh’n gearr air dram fhaotainn. Ach chaidh na cleachdaidhean sin as, agus cha ’n eil boinne dhe ’n stuth ’ga òl aig obair de sheòrsa sam bith a nis. Bha aig daoine an toiseach ri dhol astar mor gu muilinn; bhiodh iad a’ dol cho math ri deich mìle fichead. Bhiodh iad a’ dol ann ’sa gheamhradh le daimh, agus dh’ feumadh iad luchd mòr feòir a thoirt leotha, oir bhiodh iad mar bu trice air falbh fad seachdain. Bhiodh am muileann cho trang, ’s an t-uisge cho gann ’sa gheamhradh, ’s nach b’ ann air chabhaig a gheobhadh duine a chuid gràin a bhleith. ’S iomadh fuachd us acras a dh’ fhuilig daoine a’ dol air ais ’s air adhart air na turasan so. Cha’n eil moran ri fhaotainn an diugh de na daoine còire ghiùlan fuachd us cruas an latha ’san àite so air tùs. Tha iadsan a bha ’nan cloinn bhig an uair sin a nise air fàs nan seann daoine liatha. (Ri leantuinn.) 21, 2, ’96. I. M’ D. Ceann nathrach us earball péucaig air an earrach. BLIADHNA LEUM.—Cha ’n fhaicear an naodhamh latha fichead ann am mios Febuaraidh tuilleadh gu ceann ochd bliadhna. Tha bliadhna-leum, no bliadhna anns am bi latha chòrr, ann aig ceann gach ceithir bliadhna, ’se sin gach bliadhna a ghabhas a h-àireamh roinn ’na cheithir earannan gun chòrr fhàgail; mar tha a bliadhna so fhéin, gabhaidh a h-àireamh, 1896, a roinn na cheithir earannan, 474 anns gach earann. Ach aig ceann gach ceud bliadhna feumaidh gu’n gabh àireamh na bliadhna roinn ’na cheithir cheud earann mu’m bi latha bharrachd innte. Cha ghabh àireamh na bliadhna 1900, an ath bhliadhna anns ’m bu chòir latha bharrachd a bhi, roinn na cheithir cheud earann, agus uime sin cha bhi innte ach an aon àireamh lathaichean ’sa bhios anns na bliadhnaichean eile. Duine a rugadh air an naodhamh latha fichead de’n mhios a dh’ fhalbh, cha’n urrainn dha co-ainm a latha bhreith a chumail gus an tig a bliadhna 1904. Air a cheud latha dhe’n bhliadhna so b’e ’n àireamh shaighdearan a bha ’n armailtean cogaidh an t-saoghail air fada, ceithir muillein da cheud us naodh mile (4,209,000.) Bho’n bhliadhna 1850, chosgadh tri cheud muillein pùnnd Sasunnach ann an cogadh, agus a cheithir uiread sin ann an cumail suas armailtean gu bhi deiseil air son cogaidh. Na’n rachadh saoibhreas an t-saoghail so a roinn air sluagh an t-saoghail, agus uiread us uiread a thoirt do gach neach, thatar a deanamh a mach gu’m biodh mu thri fichead pùnnd Sasunnach, no faisg air tri cheud dolair a dh’ airgead na dùthcha so, ann mu choinneamh gach duine, bean, us pàisde. Ceann mor air duine glic, ’s ceann-circ’ air amadan. Ceann mor us amhach chaol, aogas an droeh ghamhna. [TD 274] [Vol. 4. No. 35. p. 2] BEAN A’ MHISGEAR. CAIB. VII. “Agus dh’ éirich e, agus chaidh e dh’ ionnsuidh ’athar,” LU. xv. 20. Anns an fhacal chualas bualadh aig an dorus. ’S ann a ghabh Seònaid bhochd clisgeadh; oir shaoil i gur e fear de na misgearan truaillidh a bha ’fuireach ’sa choimhearsnachd a bh’ ann. Co ’bh’ ann ach lighiche a thàinig air òrdugh nan càirdean, a dh’ fhaicinn na caileig a bha tinn, feuch an robh e sàbhailte a toirt air falbh. An uair a sheall e oirre thuirt e nach robh ni cearr oirre ach na fhuair i do shàruchadh ag altrumas, agus an uair a rachadh i ’dh’ àite fallainn nach biodh cnead oirre. Air an fheasgar ud fhéin thugadh air falbh iad fhéin agus am beagan innsridh a bh’ anns an taigh. Bha iad mar gum biodh iad air saoghal ùr an uair a shocraich iad ’san àite-chòmhnuidh ur. Bha glaine, is farrsuineachd is fallaineachd aca, agus bha na coimhearsnaich, cho fad ’sa b’aithne dhaibh modhail, measail, cliùiteach. Thòisich a’ chaileag a bha tinn ri tighinn air a h-aghaidh agus ann am beagan sheachduinnean bha i cho tapaidh cha mhòr, ’sa bha i riamh. Fo stiùireadh chàirdean thàinig dithis nigheann òga a dh’ fhuireach do ’n t-seòmar a b’ fhearr. Beag ’s mar a bha an t-suim a bha iad a pàigheadh ’san t-seachduin bu mhòr an cuideachadh e. Eadar màl an t-seòmair agus na bha i fhéin a deanamh a dh’ fhuaghal ’sa dh’ fhighe, chum Seònaid fhéin ’sa chlann gu dòigheil gu ceann na bliadhna. Ré na h-ùine a bha Seumas anns a’ phrìosan, bha ’aire gu math tric air a tionndadh a dh’ionnsuidh na dòigh anns an do chlaon e air falbh. Bha fhios aige gu robh e aon uair a’ sealbhachadh sonais a bha ro luachmhor, agus gur ann trid cul-shleamhnuchaidh a chaill e ’n sonas so. Bha e ’ga shàmhlachadh fhéin ris a’ mhac stròdhail, agus thug so misneach dha gu pilltinn a dh’ ionnsuidh ’Athar. Shuidhich e ’inntinn air pilltinn gun dàil. Iomadh uair roimhe sid, an uair bhiodh a chogais ’ga dhìteadh gu trom, theireadh e ris fhéin, “Tha’n t-àm agam grad chùl a chur ris a’ chùrsa sgriosail a tha mi ’leantuinn;” mar gu ’n canadh e, “Eiridh mi agus théid mi ’dh’ ionnsuidh m’ athar.” Ach mar a thachair a dh’ iomadh neach a bhàrr air, ged a bha e bruidhinn air pilltinn, agus a’ smaointean air pilltinn, bha e sìor ghabhail roimhe. Ri linn dha tuiteam air falbh, agus a cheud ghràdh a thréigsinn, cha d’ thàinig ni ’na rathad bu mhò a rinn a dh’fheum dha na bhith air a thilgeadh am prìosan. B’ ann ’s a’ phriosan a thàinig e d’ a ionnsuidh féin. Chunnaic e gu ’n do chaill e an t-sìth cogais a bh’ aige aon uair, agus gu ’n do choisinn e diombadh, agus eadhon corruich, Dhé; agus mar an ceudna, gu ’n d’ thug e masladh air fhéin ’s air na bhuineadh dha. Thug so air a bhith brònach gu leòr. Mu ’n d’ fhàg e ’m priosan, shuidhich e ’inntinn air an rioghachd fhàgail. Dh’ innis e so do aon de na càirdean dìleas a bh’aige anns a’ bhaile, latha no dha mu ’n d’fhuair e mach as a’ phrìosan, agus thug an caraid so dha beagan airgid a chum am faradh a phàigheadh. So cuid de’n chòmhradh a bh’ eatorra.— “Mìle taing dhuit, a dheagh charaid, air son do chaoimhneis. Tha mise a’ fàgail na rìoghachd, suidhichte le cuideachadh an Tighearna gu ’n cuir mi cùl gu buileach ris na nithean toirmisgte sin a thug a dh’ ionnsuidh na truaighe mi. Tha fhios agam gu ’n do mhath Dia cionta mo lochd, agus tha earbsa agam ann gu ’n ulluich e gach ni feumail air mo shon fhéin, agus air son mo theaghlaich. Ma bhios mi beò, slàn gu ceann bliadhna, agus gu faigh mi obair, tha dòchas agam gu ’n tig mi aon uair eile do ’n bhaile so fhathast. Ach aig an Tighearna tha fios ciod a thachras dhomh. Thoir thusa, a dheadh charaid, oidhirp, maille ri càirdean eile a tha truasail, air a’ bheag no mhòr de chuideachadh a deanamh le mo mhnaoi bhochd, agus le m’ phàisdean. Tha ’n staid anns an d’ fhàg mi iad a’ trom-leònadh mo chridhe. Air son na ’s urrainn domhsa a dheanamh air an son, faodar a ràdh gur dilleachdain iad.” “A Sheumais, faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi gu ’n dean mi gach ni ’nam chomas a chum Seonaid agus a’ chlann a chumail suas, agus tha mi ’n dòchas nach fhada gus am bi thu fhéin comasach air cuideachadh a dheanamh leò.” Cha bu luaithe a fhuair Seumas bochd a mach as a’ phrìosan na thug e ’aghaidh air Sasunn. Ann am baile-mòr àraidh an Sasunn bha seann fhear-eòlais dha a bha gu math air a dhòigh, agus bha dòchas aige gu faodadh an duine so stiùireadh a thoirt da air far am faigheadh e obair. Bha ’n cridhe air chrith aige gu faodadh an naigheachd, gu robh e anns a’ phrìosan, a bhith roimhe ann an Sasunn; oir bha fhios aige gu robh i anns na paipeirean naigheachd. Coma co dhiu, ràinig e, agus le cuideachadh a sheann fhir-eòlais, fhuair e obair an ceann latha no dhà maille ri saoir-gheala eile a bha gu trang a’ cur suas aitreamh cho mòr ’s a bh’ anns a’ bhaile. Anns an àite so bha saorsa aige nach robh aige iomadh bliadhna roimhe sin. Cha bhlaiseadh e air deur de ’n deoch-làidir, o’n is i a bha na meadhon air an truaighe chur air. Bha companaich ùr’ aige, agus ged a bha cuid diubh baoghalta gu leòr, cha robh buaidh uilc aca thairis air mar a bh’ aig na seana chompanaich. Rud eile, bha maighstir na h-oibre ’na dhuine a bha ’feuchainn ris an luchd-oibre a chumail o gach olc do’n robh iad buailteach. O’n a bha Seumas na choigreach anns an àite nochd e caoimhneas mòr dha. Mar so fhuair e air aghaidh anabarrach math fad na bliadhna. Chuir e h-uile sgillin a choisinn e, ach na b’ éiginn da phàigheadh air son a bhidh is ’aodaich, air chùl a làimhe, agus an ceann na bliadhna ghabh e taigh beag, comhfhurtail, agus chuir e beagan innsridh ann. Dh’ innis e do ’n mhaighstir gu robh bean is clann aige ann an Alba, agus gu robh toil aige dhol ’g an iarraidh. Thug am maighstir cead dha a bhith seachduinn air falbh, agus ged a bha ’n obair trang ghleidheadh ’aite dha gus an deachaidh e air ais; oir dhearbh e gu ’m bu deagh fhear ceairrde e. Fad na bliadhna a bha e’ n Sasunn cha do chuir e sgrìob litreach gu neach a dh’ fhàg e ’na dhéigh ach aon litir a chuir e thun a charaid a thug dha cuideachadh gus an rioghachd fhàgail. Dh’ innis e dha charaid gu ’n d’ fhuair e obair, agus gu robh dùil aige nam biodh e beò pilltinn cho luath ’s a b’ urrainn da a dh’ iarraidh na mnà agus na cloinne. Dh’ earb is dh’ àithn e ri charaid gun guth no iomradh a thoirt ri duine beò mu ’thimchioll, ach aon litir a chur uige a dh’innseadh ciamar a bha ’bhean ’sa chlann a’ tighinn troimh ’n t-saoghal. Rinn a charaid mar a dh’ iarradh air. Cha robh fhios aig duine eile co [TD 275] [Vol. 4. No. 35. p. 3] dhiu bha Seumas beò no marbh. Anamoch air feasgar Diluain beagan roimh cheann na bliadhna an déigh dha an rìoghachd fhàgail, thàing Seumas air ais, agus ghabh e dìreach gu taigh a charaid. Bha ’charaid anabarrach toilichte ’fhaicinn aon uair eile, gu sònraichte o’n a bha e ann an deagh choltas. Dh’ aithnicheadh duine beachdaidh sam bith air gu’n do thréig e na cleachdaidhean, agus an comunn truaillidh a bha e ’leantuinn mu’n do chuireadh do’n phrìosan e. Dh’ innis e d’a charaid mar a dh’ éirich dha fad na bliadhna; agus gur h-ann air thòir na mnà ’s na cloinne a thàinig e. Air an fheasgar ud fhéin, ged a bha ’n t-anamoch ann dh’ fhalbh e fhéin agus a charaid far an robh a bhean. An uair a bhuail iad aig an dorus, ghabh i ioghnadh ciod e chuir daoine rathad an taighe aig uair cho anamoch. Ach an uair a dh’ fhosgail i ’n dorus, agus a chunnaic i co bh’ aice,—oir ghrad dh’ aithnich i e ann an solus cheann na staidhre—chuir i a da làimh mu ’amhaich, agus phòg i e. Cho luath ’s a chaidh e steach do’n t-seòmar, dh’ fheòraich e mu’n chloinn. Ged a bha iad nan laidhe ùine roimhe sin, dhùisg a h-uile bruidhinn a bh’ ann iad, agus rinn iad foghail gu leòr ri ’n athair. Mu’n do ghabh iad mu thàmh, shuidhich iad gu’n deanadh iad an imrich an ceann dà latha. O nach robh e aon chuid feumail no buannachdail an t-innsreadh a thoirt gu ruige Sasunn, dh’ fhàgadh e air cùram aon de na càirdean a ghabh os laimh a reic. Mar so, ghrad fhuair iad deas, agus dh’ fhàg iad am baile anamoch Diciadain. Bha iad aig an dachaidh ùir beagan roimh mheadhon là Dirdaoin. Dh’ fhalbh a banacharaid chaomh, a bha, le a cuid ’s le a comhairle, a’ toirt cuideachaidh agus misnich do Sheònaid, agus d’ a teaglach lag, fad na bliadhna roimhe sid, maille riu a chum am faicinn air dòigh anns an àite ùr. An uair a ràinig iad an taigh, agus a chunnaic iad cho òrdail ’s a bha gach ni romhpa cha robh fhios aca ciod a theireadh iad. Labhair Seumas agus thuirt e:— “Lubaibh uile bhur glùinean maille riumsa, agus thugamaid taing do Dhia air son a thròcair agus iarramaid a chòmhnadh agus a neart o là gu la re ar cuairt anns an fhasach.” Rinn iad so, agus gu cinnteach bu chiatach an sealladh e. B’fhearr gu faicte a leithid de shealladh ni bu trice. Labhair Seumas a rithist, agus thuirt e:—“A Sheonaid, dh’fhaoidte bean a’ mhisgear a ràdh riutsa fad nan trì bliadhna mu dheireadh a bha mise an Alba. Ach an là a thug am breitheamh binn a mach nam aghaidh, agus a dh’ òrdaich e mo sparradh ’s a’ phrìosan, dh’ fhosgladh mo shùilean. Thàinig mi do m’ ionnsuidh fhìn mar a thàinig am Mac Stròdhail anns an fhàsach. Dh’ éirich mi, agus chaidh mi dh’ ionnsuidh m’ Athar. ’Na ghràdh neo-chrìochnach, agus na mhòr thròcair gabh e da ionnsuidh mi mar mhac. An uair a thàinig mi do’n bhaile so, dh’ fhosgail e dorus dhomh, agus fhuair mi obair anns an robh deagh thuarasdal agam. Cha robh mi uair an uaireadair o m’ obair le tinneas, no le aobhar sam bith eile o’n a thainig mi ’n so. Tha màl an taighe pàighte; tha ’n t-innsreadh pàighte. Seall, a Sheònaid, air innsreadh an t-seòmair a’s fhearr; cheannaich mi e leis na b’ àbhaist dhomh a bhith ’cur ann an òl, agus ann an tombaca eadar da cheann na bliadhna, agus ann an nithean gun fheum eile a bhithinn a’ ceannach an uair a bhithinn air mhisg. Mar bu trice, bha mi deanamh dlùth air deich tasdain ’san t-seachduin a bharrachd air tuarasdal riaghailteach na seachduin. A Sheònaid, cha’n urrainn duine ’s a’ bhaile so a ràdh ruit gur tu bean a’ mhisgeir nis mò. Fo laimh Dhé rinn thu fhéin, tha mi ’creidsinn, mòran a bharrachd a chum toirt orm sgur de’n olc na tha thu ’n dùil. A h-uile latha riamh nochd thu foighidinn agus caoimhneas a chuir mòran ioghnaidh orm. An uair a sparradh am prìosan mi cha do nochd thu coimhicheas dhomh mar a dh’ fhaodadh tu dheanamh. A h-uile latha ’s oidhche o’n a thòisich mi ri cùl-shleamhnachadh tha mi creidsinn gu robh thu ’tagradh as mo leth. Fhad ’s is urrainn mi car a dheanamh oibrichidh mi a chum thu fhéin agus a’ chlann a chumail anns an dòigh anns an còir dhuibh a bhith. Tha còrr is bliadhna o’n a sguir mi dhol a mach na m’ neart fhéin, agus tha mi gabhail beachd air gu bheil an Tighearna a’ toirt neirt is treòir dhomh o là gu là. Le a chuideachadh fhéin tha mi ’n dòchas gu’n téid mi mach ’na neart a h-uile là ri m’ bheò.” Cha bhiodh e chum mòran feuma dhuinn na briathran a labhair Seònaid agus a banacharaid aithris an so. Fòghnaidh dhuinn a ràdh gu robh an cridheachan air an lìonadh le gàirdeachas, agus gu’n do chuir iad am faireachdainnean an géill ann an cainnt ghlic mar a b’ àbhaist daibh. An ceann beagain làithean, an uair a fhuaradh gach mi an òrdugh, phill a’ bhean chòir, chneasda, a rinn na h-uiread air son Seònaid agus na cloinne, dhachaidh a dh’ Alba. Thug an naigheachd a bh’ aice air an atharrachadh a thàinig air Seumas mòr thoileachadh do gach neach le ’m bu toil e. A thaobh Sheumas agus a theaghlaich, fòghnaidh a radh gu’n d’ fhuair iad air an aghaidh gu math. A réir choltais nach d’ fhuaradh a mach riamh mar a thachair do Sheumas fhéin an Alba. Bha e fhéin agus Seònaid beò gus an d’ ràinig iad aois mhòr. Fhuair iad tuilleadh teaghlaich an Sasunn. A réir mar a chuala sinn, phòs cuid dhiubh, agus chaidh cuid eile dhiubh do na rioghachdan thall, far am bheil iad, tha sinn an dòchas a’ gluasad ann an gliocas, agus a’ caitheamh am beatha gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh. IAIN (A’ Chrioch.) Ann an Saxony cha ’n fhaod duine gabhail air fhéin crudha chur air each gus an deigh dha sgil a bhi air fheuchainn ’s air a dhearbhadh. Tha sgoil mhor ann am baile Dresden anns a bheil daoine as gach cearna dhe’n t-saoghal ag ionnsachadh na ceairde. ’N uair a bhios iad ullamh ionnsachaidh, cha’n e mhàin gu’n teid aca air eich a chruidheadh ach tha iad sgileil air euslaintean nan each a leigheas. Nach lionmhor iad a tha cumail a mach gu ’n d’ thug iad làn-mhathanas do ’n mhuintir a rinn olc orra, ach aig a’ cheart àm a their nach urrainn iad an t-olc a rinneadh orra ’dhi-chuimhneachadh. Mar a thuirt neach àraidh roimhe, tha iad coltach ri neach, an dèigh dha an seòmar a sguabadh, a dh’ fhàg an sguabadh na thorr air cùl an doruis an àite ’chur a mach as an taigh. An uair a bheir sinn mathahas do neach sam bith le ’r beul cuimhnicheamaid gu ’n toir sinn o ar cridhe e mar an ceudna. [TD 276] [Vol. 4. No. 35. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 7, 1896. Tha Breatuinn a dol a neartachadh a h-arm-cogaidh ’sa gearasdanan, gus a bhi deiseil air son cogaidh uair sam bith a thig e. Tha i dol a chosg ceithir muillein deug pùnnd Sasunnach ris. Tha còrr us da fhichead soitheach eogaidh ùr ri bhi air an togail, agus tha ochd ceud gu leth mile pùnnd ri bhi air a chosg air Gibraltar. Tha na Stàitean an dràsda a’ togail aimhreit ris an Spàinn. Tha iad a’ cur rompa amharc air ceannaircich Chuba o so a mach mar luchd-cogaidh ’s cha’n ann mar luchd-ceannairc. Tha iad le so mar gu’m biodh ’gan cur air an aon bhonn ris na Spainnich fhéin, agus tha na Spàinnich ’ga ghabhail gu dona ’san t-sròin. Cha’n eil na Stàitean an deigh so a dheanamh fhathast, ach tha e aca air an t-slighe troimh ’n phàrlamaid. Ma’s e ’s gu’n dean iad na tha iad a’ cur rompa, bidh e gu math teth eadar iad féin ’san Spàinn. Cha’n eilan Spàinn idir cho fad-fhulangach ri Breatuinn, agus ma leanas na Stàitean rompa beagan na’s fhaide, cha mhair an t-sith. Tha e ro choltach nach eil na daoine aig a bheil riaghladh nan Stàitean nan làimh aig an àm so air an fheadhain a’s glice. Tha iad tuilleadh us deigheil air a bhi gabhail gnothuich ri nithean nach buin dhaibh, agus mar sin a dùsgadh suas fearg agus gamhlas dhùthchannan eile, a bha roimhe sitheil agus càirdeil riutha. Tha Pàrlamaid Ottawa a nise aig an obair air son an deachaidh a gairm,—a réiteach chùisean a thaobh sgoilean Mhanitoba. Thòisich an deasbud mu’n “bhill” Di-màirt. Labhair Sir Tearlach Tupper agus feadhain eile air a thaobh, agus Mr. Laurier agus feadhainn eile ’na aghaidh. Tha iad ag obair air na h-uile latha bhuaithe sin. Cha’n eil teagamh nach cuir iad an darna taobh e air an t-seachdain s’a tighinn. Chaidh murt grànda a dheanamh ann an Tomatin, faisg air bail’ Inbhirnis, an Alba, air a choigeamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha triùir dhaoine, luchd-oibreach, ann an tigh leotha fhéin, dithis Ghàidheal agus Eirionnach. A reir sgeòil, ghabh an t-Eirionnach, do ’m ainm Powell, an daorach, agus chaidh e stigh do ’n rùm anns am biodh an dithis eile a cadal. Dh’ fheuch iadsan ri chur a mach, ach san t-sabaid a bh’ aca, thug Powell a mach sgian, agus stob e fear dhiubh anns an druim leatha, coig no sia dh’ uairean, ’ga cur dh’ an sgamhan aige, agus ’ga lot cho dona ’s gu ’n do chaochal e le call fala an la-’r-na mhàireach. Chaidh am fear eile ’ga theasraiginn, agus chaidh e fhein a stobadh, ach fhuair e as gun moran leònaidh a bhi air a dheanamh air. Chaidh Powell a thoirt do ’n phrìosan a dh’ Inbhirnis. ’Se Mac-an-Tòisich a bh’ anns an fhear a chaidh a mhurt agus Mac-Ille-Mhaoil anns an fhear eile. Bha Mac-an-Tòisich leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’ aois; bhuineadh e do shiorramachd Pheart. Buinidh Powell do bhaile Bhelfast. Cha’n eìl e ach mu dha bhliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Bha stoirm mhor shneachda agus uisge ann am Maine toiseach na seachdain so. Bha na ròidean air an dùnadh suas, agus bha maille mhor air a chur air luchd-siubhail. Ann an àiteachan, cha d’ fhuair an carbad iaruinn a dhol thairis air an rathad eadar Di-sathairne ’s Di-ciaduin. Chaidh ochd drochaidean deuga a sguabadh air falbh bhar aon amhuinn leis an tuil a bha innte. Ann am baile Lowell, bha da mhile dheug duine air an cumail ’nan tàmh leis na tuiltean a bha anns na h-aimhnichean. Air an dorus air an tig amhrus a steach, theid gràdh a mach. Aig bainnsean ’s aig tòrraidhean, aithnichear càirdean ur eòlaich. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s do ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 277] [Vol. 4. No. 35. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha iad ag radh gu bheil an t-Ard Riaghladair, Iarla Obaraidhean agus a bhean a dol a thoirt sgriob do Cheap Breatunn air an t-samhradh s’a tighinn. Tha Sir Tearlach Tupper agus a bhean a’ dol a chur seachad pàirt dhe’n bhliadhna so ann an Ceap Breatunn cuideachd. Tha fios á Guysboro ag innse gu’n deachaidh còignear chloinne troimh ’n deigh anns an acarsaid sin Di-sathairne s’a chaidh, agus gu robh iad anns an uisge faisg air uair gu leth mu’n d’ fhuaireadh an toirt as. Bha cuid dhiubh gle faisg air a bhi air am meileachndh, agus ’s ann air eigin a fhuaireadh an toirt uige. Tha daoine ann an Sidni Tuath an deigh soitheach-iasgaich a cheannach ann an Yarmouth, agus a dol ’ga h-uidheamachadh gus a cur ris an iasgach a mach as a phort aca fhéin. Tha’n acarsaid so faisg gu leòr air na h-aiteachan iasgaich, agus ’s ann a tha e iongantach nach do thòisicheadh air an obair o chionn fhada. Tha a’ ghriùthrach gu math pailt san dùthaich an dràsda. Tha i ann an Sidni, an Sidni Tuath, ’s ann an iomadh àite eile. Mu’n cuairt an so cha’n eil i gle dhona, ach tha e coltach gu bheil i dona gu leor an àiteachan eile air an eilean. Aig Beinn a’ Mharbail, chaochail ceathar leatha o chionn ghoirid, triòir dhiubh sin a thainig gu aois, agus aon neach òg. Chaidh each le Coinneach Mac Coinnich, ’sa bhaile so, a bhàthadh an acarsaid Sidni a Tuath Di-sathairne s’a chaidh. Bha e aig dithis dhaoine, fear Lewis a mhuinntir Phictou, agus fear Doull a mhuinntir Sidni, a’ gabhail na deighe, agus bhrist i fodha. Chailleadh an t-sleighe ’s an acfhuinn còmhla ris. Chaidh eich eile an sàs anns an deigh an latha sin cuideachd, ach fhuaireadh an toirt as sàbhailte. Chaidh gille òg do’m b’ ainm Gilleasbuig Mac Gilleain, a mhuinntir Rathad a Dhléirich a mharbhadh air doigh gle chianail o chionn che’-la-deug. Bha e air mir anns an t-sabhal a’ cur sios feòir, agus nuair a bha e tearnadh a nuas chaidh meòirean na forca air doigh-eigin an sàs ann, a dol troimh ’n sgamhan aige. Fhuaireadh e mar sin air an ùrlar-bhualaidh. Chaidh lighiche a thoirt g’a ionnsuidh, ach cha ghabhadh stad cur air sileadh na fala, agus chaochail e. Tha an St. Pierre, soitheach-smùide a b’ àbhaist a bhi ruith eadar Halifax us Newfoundland, agus a taghall an so, air a call. Chaidh a h-uidheamachadh ann a’ Halifax air a gheamhradh so air son a dhol a dh’ iasgach nan ròn ann an Columbia Bhreatunnach, agus dh’ fhalbh i mu mheadhon a mhios s’a chaidh, agus luchd guail innte. Cha robh i ach ceithir latha air a turus ’nuair a chaidh i bho fheum, agus chaidh an sgioba air bòrd soitheach a thachair orra, ’sa thug iad gu Gibraltar. Bha deich mile fichead dolari de dh’ airgead-urrais oirre. Tha ’n t-side a fuireach anabarrach blàth. Tha ’n t-àm dhe’n bhliadhna anns ’m bu chòir do’n fhuachd tighinn, air a dhol seachad, agus faodaidh sinn a radh nach robh fuachd a b’ fhiach ann fhathast. Faodridh side dhoirbh gu leòr tighinn mu’n teid an t-earrach seachad, ach cha’n urrainn e bhi cho guineach ’sa bhiodh e ’sa gheamhradh. Tha blàth anns a ghréin a nis a chumas an reothadh gu math fodha. Shil moran uisge air an t-seachdain so, tha ’n sneachda ’san deigh a’ falbh, agus tha na roidean air fàs gle dhona. Tha daoine air sgur a ghabhail na deighe, ach ann am fior chorra àite. Thainig fear Cailein Mac Rath, a mhuinntir Beinn a Mharbail, ri bheatha fhéin Di-luain s’a chaidh. Dh’ éirich e o ’dhinneir aig meadhon-latha agus thuirt e ri theaghlach gu robh e dol dh’ an Obair Aoil, a tha mu mhile dh’astar bho’n tigh aige. An àite sin a dheanamh, ’s ann a chaidh e mach dh’ an t-sabhal agus chroch e e-fhéin. Chaidh a chlann a mach an ceann treis a dh’ ùine, agus fhuair iad a chorp marbh an crochadh ri sail. Bha Mac Rath na dhuine còir, dichiollach, onarach, agus gle mheasail aig na caimhearsnaich; agus chuir a bhàs le a làimh fhein duilichinn orra uile. Bu cheaird dha an tàillearachd. Thatar ag radh gu robh e car air bheag mhisnich agus car cearr na inntinn o chionn ghoirid, ach cha do smaoinich duine gu’n tigheadh e gu bhi cho dona ’s gu’n cuireadh e crioch air fhéin. Iadsan a Phaigh. Domhnull Mac-a-Phearsain, Providence, R.I C. B. Nic Asguill. Boston, Mass. Iain Mac Ille-mhaoil, Chicago, Ills., $2.00. Aonghas Mac Leoid, Hilton, Manitoba. I. Ceanadach, Loch na h-Aimhne Deas, N. S An t-Urr. R. Mac Coinnich, Airsaig, N. S Iain I. Sutharlan, Kenowgare, N. S. Domhnull Caimbeal, Kinross, P. E. I. Iain Caimbeal, Beinn ’Ic Mhannain, P. E. I. Aonghas Bruce, Grandview, P. E. I. An t-Urr. D. B. Mac Leoid. Orwell, P. E. I. J. J. Mac Rath, Baile-Mhàtuinn, Ont. D. K. Mac Gilleain, Berwich, Ont. D. W. Mac Gillebhràth, Dalkeith, Ont. Domhnall Mac Mhuirich, Flesherton, Ont. Tormaid Mac Leoid, Steòrnabhaigh, Que. Niall Mac Iomhair, McLeod’s Crossing, Que. Calum Buchanan, Kaurihohori, N. Zealand. Uisdean K. Dunhullach, Point Tupper, C. B Cairistina Mhoireastan, Sidni, An t-Urr. Iain Friseal, Cladach a Tuath. A. D. Mac Diarmaid, Stirling, Alasdair Caimbeal, M.P.P., Strath-lathairn Gilleasbuig Mac-a Phiocair. Catalone. Tormaid Mac Asguill, Framboise. Lachuinn Domhnullach, Gut Mhira. A. N. Domhnullach, Enon, ($2.00) Mairi I. Nic-a-Phiocair, Enon D. Mac-a-Ghobha, Gut-a-Deas, ($3.00) D. R. Domhnullach, Barrachois, 25c A. R. Domhnullaeh, Woodbrin, 25c Alasdair Mac Amhlaidh, Milton, 25c Aonghas Mac Leoid, Rona, P. E. I. 25c Floiri Mhartuinn, Brooklyn, P. E. I. 25c BAS. Aig Loch Lomond, air Di-màirt an 25mh la de Februaraidh, Seònaid nighean ghràdhach Mhurachaidh ’Ic Cuthais, fichead bliadhna agus da mhios a dh’ aois. Bha i measail aig na h-uile air son a beusan ’sa deagh ghiulan. Chaochail Eilidh a piuthar ’sa comhaoise, direach tir seachdainean roimhe sin. Tha co-fhulangas aig na coimhearsnaich uile ri Mr. Mac Cuthais ’na thrioblaid. AM MART, 1896. 1 Di-Domhnaich. II D-idonaich ’sa Charghus 2 Di-luain 3 Di-mairt 4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36. 5 Dior-daoin. A Ghrian a’ laidhe 5.48. 6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 7.15, mad. 7 Di-sathairne 8 Di-Domhnaich. III Di-donaich ’sa Charghus 9 Di-luain. Seid Lucknow, 1858. 10 Di-màirt 11 Di-ciaduin 12 Dior-daoin 13 Di-haoine 14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad 15 Di-Domhnaich. IV Di-donaich ’sa Charghus 16 Di-luain 17 Di-màirt 18 Di-ciaduin 19 Dior-daoin 20 Di-haoine. A cheud la dhe’n earrach. 21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801. 22 Di-Domhnaich. V Di-donaich ’sa Charghus. 23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal de’n t-Solus, 7.43 mad. 24 Di-màirt 25 Dii-ciaduin 26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh 5.55. 27 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 6.17. 28 Di-sathairne 29 Di-donaich. Di-donaich nam Pailm. 30 Di-luain. (29) a Ghealach làn, 1.08, mad. 31 Di-màirt Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 278] [Vol. 4. No. 35. p. 6] DONULL NAN ORD. Is ann bho Mhac-Iain-Stiùbhairt na h-Apunn a thàrmaich teaghlach Ionar-na-h-Aighle. B’e Alastair, mac do Ailein an treis Mac-Iain Stiùbhairt, an ceud fhear dhiubh. Phòs e Mhairghiread nighean do Dhonull nan Lochan am Mùideart. Cha robh aca ach aon urra chloinne—Dònull, agus thàinig esan a stigh an àite ’athar. A reir coltais is ann an Eilein-Stalcaire bha Alastair a’ tuineachadh. Moch madainn shamhruidh dh’ éirich e ’s chaidh e do Eilein-nan-Gall—eilein beag a tha làmh ri Eilein-Stalcaire. Thug e leis an tuagh-Abrach ’na làimh, ball-airm a bu tric a bh’ aig na Gàidheil ’s an àm ud. Rinn e sineadh air lianaig ghuirm ’s leig e thuagh air làr. Bha e fhéin agus Fear Dhun-Staibhinnis a mach air a chéile agus ’s dualach gu’m facas e ’san eilein: thàinig Cailein Uaine, bràthair Fhir Dhun-Staibhinnis, le daoine ’s bàta a ghabhail fàth air. Thàinig iad air gun fhios dha. An uair a thainig e am fradharc Alastair ghabh e air gur h-ann a thagairt càirdeis air a thàinig e; ach, an uair a thuig e nach robh e air fhaicill, thug e sùil air an tuaigh a bha làmh ris an fhear eile air an làr, agus mu ’n d’ fhuair e dol air a thapadh rug e oirre ’na làimh—bha fhios gu math aige mur biodh e ealamh, gu ’m biodh daor an ceannach aige air a thurus, agus thuirt e, “Is math an tuagh so, ’Alastair, ’nam biodh a leòir samhuich innte?” Thuig e gu robh mhath ciod a bh’ air aire Chailein Uaine, agus gun tuilleadh éisdeachd, rug e air an tuaigh; ach thàinig na daoine aig cailein agus chur iad as da. Cha robh Donull a mhac ach ’na mhaotharan air a’ chìch: bha e air bhanaltrumas aig Mòraig, bean Rob a’ Pheitidh, gobhainn Mhùideart. Cha d’ fhoghainn le Cailein Uaine bàs Alastair a bhi air a lamhan: chuir e roimhe cur as do’n phàiste—bha fhios aige nach biodh a’ chùis gun aichmheil. Ach cha deachaidh an gnothuch air mhìthapadh do mhuime Dhònuill; thrus i leatha e, agus thug i Mùideart oirre leis, gun umhail de dhuine no de bheothach. Dh’innis i do’n ghobhain mar a dh’ èirich, agus ’s e bh’ann gu’n d’aontaich iad an leanabh a thogail ’us àrach agus urra chloinne dhaibh fhein a dhianamh dh’e, gun innse do choimhearsnach no do dhuine eile, gus an tigeadh e gu inbheachd. Is ann mar so a bha: chaidh Dònull a thogail us àrach an teaghlach Rob a’ Pheitidh. An uair a thainig e gu gnè spionnaidh, bu tric leis lamh-chuideachaidh a thoirt do ’n ghobhain ’s a’ chèardaich. Bha e làidir, gramail; agus ciod sa bith ris an cuirteadh e cha chuireadh e cualag air, cha chuireadh ’s gun fhios aige nach b’ ann leis a’ ghobhain a bha e. Latha de na làithean, an uair a bha e mu ochd bliadhn’ diag a’ dh-aois, thuìt da a bhi s’ a’ cheardaich. Dh’ iarr an gobhain air an t-ord mor a thogail a bhualadh a mach tinne mhoir iarann. B’ ord dà-laimhe e do neach sa bith, ’s cha b’ ion do ghlas-ghiullan dol ’n a dhàil air atharrachadh, ach rug Dònull air ’n a leth-laimh agus dh’ oibrich e leis ’s cha bu luaithid anail e; agus cha ’n e sin a mhàin ach rug e air fear eile ’s an làimh eile ’s dh’ oibrich e leo le buille mu seach, gus an do chuir e fhéin ’s a ghoistidh a mach an tinne. A ghoistidh còir. Rob a’ Pheitidh, cha do ghabh e dad air; ach an uair a chaidh e stigh ’s a fhuair e cothrom air Mòraig dh’ innis e dh’ i mu Dhònull. Is e bh’ ann, a mhic chridhe, gu’n do chuir a’ chàraid chòir, cheanalta, rompa gu ’n innseadh iad do Dhònull mar a bha ’chùis, co b’ é, agus co leis am bu leis e. A leth taobh chuireadh fios air Dhònull, agus dh innis iad an dìol déisneach a rinneadh air ’athair agus an caol-thiarnadh a bh’ aige fhein. Bhuin an sgial so gu guineach, goirt ris; rug a ghoistidh eadar a ghlacaibh air: “A dhalta chridhe,” os esan, “b’ eudar do d’ oilein ’s do d’ ionnsachadh a bhi gus a nis an ceilt; ach tha dòchus agam nach dian thu dìmeas air d’ fhuil, agus gum bi cuimhne agad air cruadal nan daoine bho ’n d’ thàinig thu.” An sin thug an gobhain da claidheamh, a rinn e a roghainn òrduigh, de smior an iaruinn agus na cruadhach air a shàr fhadhairt, ag guidhe gu’m biodh e ’n a ìmpidh air a thoirt sàbhailt as gach cruadal, agus a theasraiginn bho gach gàbhadh us cunnart. Ghlac Dònull an claidheamh le faoilte gu fearghleus; ’s cha do leig e le bharr-dheis laidhe fo mheirg ’s an truaill. Chuir e roimhe an aicheamhail a thoirt a mach; ach mu’n gabhadh e dad os làimh leig e chùis am mèinn a mhuime. Chomhairlich ise dha dol gu bràthair a mhàthar Dònull òg nan Lochan. Ghabh bràthair a mhàthar ris le mùirn ’s le fàilte, agus thairg e cuideachadh us còmhnadh dha na ’n dianadh daoine, moidhein, us airgiod e, gus a chuid fearainn a ghleidheadh air ais dha—chaill e e an uair a thuigeadh nach bu bheò esan—an t-oighre. An uair a thill Dònull do’n Apuinn, agus a dh’ innseadh mar a dh’ éirich dha, thugadh a dh-aon fhacal ‘Dònull-nan-òrd’ air. Cha robh Nàdur lombais mu a gibhtean da; bha e giar-fhaclach fileanta, làidir, iasgaidh, clis. Rinn na feartan inntinn us cuirp so e ’n a roghadh ’s taghadh a’ chinn-fheadhna. Bu chulaidh-eagail do luchd-dòbheairt e; agus cha b’ fhada gus an d’ fhuair naimhdean a chinnidh ’s a chàirdean fios-faireachdainn air sin. B’e ’n ciad ghnìomh a rinn e cur as do Chailein Uaine. (Is fear do dhaoine Dhònuill-nan-òrd a chuir as do Chailein Uaine ’s e a’ snàmh thair Liobhunn. “Is glan an fhuil a thug thu do bhric Lìobhunn,” osa fear de dhaoine Chailein ’s e ’faicinn na saighde air chrathadh ’n a uchd. ‘Bu ghloine na sin,’ osa fear de dhaoine Dhònuill, “an fhuil a thug thusa do phartain Eilein-nan Gall.”) Cha d’ fhoghain leis sin; cha do sguir e gus an do chuir e gu buil naoinear de thigh Dhunstaibhinnis. Cha b’ fhada gus an d’ thàinig gnìomhran Dhònuill gu cluasan Mhic-Cailein, agus dh’ fhiach e ri ’chur fo chis, ach dh’ fhairtlich air: fhuair Dònull a mach gu ’n robh e ag caitheamh foille air, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug e taobh Loch-Odha air ’s gu ’n do thog e creach bho ’n tuath sin. Tha ceithreamh òrain fhathast air chuimhne mu’n turus so:— “Dònull-nan-òrd, dalt’ a’ ghobhain, Ailleagan nan lùireach leobhar, Thog creach bho thaobh Loch-Odha, Nach dian Mac-Cailein a toghadh, No ’mhac, no iar-ogh’, no ogha.” Chuir dianadas Dhònuill corruich nach bu bheag air Mac-Cailein, agus chuir e roimhe a chuid daoine a thogail agus greim a dheanamh air leis an laimh làidir. Ach chaidh e rithist gu ’smaointean mu’n chuis agus chunnaic e aige fhein nach biodh e sàmhach dha—bha cinneadh a mhàthar, na Mùideartaich agus na Camronaich, ro lionar làidir, agus ’s e rinn e moidhein a chur air Mac-Iain-Stiùbhairt dh’ fhiach an d’ thugadh e air Donull sith a dhianamh agus a’ chreach a chur air a h-ais. Chuir esan agus cinn-fheadhna eile an cinn ri chéile, agus mhaoidh iad air mur dianadh e dìoladh-fiach agus sith, nach tairneadh iad claidheamh ’n a aobhar ach gu’n leigeadh iad eadar e fhein ’s Mac-Cailein. Cha robh deaghaidh aig [TD 279] [Vol. 4. No. 35. p. 7] Dònull air cur a mach air a chàirdean, agus smaoinich e gu’n d’ rinn e gu leòir a dhiol bàs ’athar, agus ’s e rinn e gun fhiamh gun eagal, gun duine ach e fhein ’s a ghille, dol gu Mac-Cailein a shocrachadh na cùise. Thachair Mac-Cailein orra goirid bho ’n chaisteal, agus ma ’s fhior is i so an fhàilte chuir Dònull air— “A Mhic-Cailein ghrìomaich, ghlais, Is beag an tlachd a th’ agad dhìom; ’S ’n uair a thilleas mi air m’ ais, Ma is mò a th’ agam dhìot.” Chaidh iad air surd còrdaidh; agus eadar fal-a-dhà ’s a rìreamh is coltach nach robh a’ ghlas-ghuib air Dònull; bu mhò us mòr le Mac-Cailein a lachanaich—fàgail a lean cian ri ’iarmad, agus dh’ iarr e air sealltainn air creig àraid a tha ’m braigh Aird’-Chonghlais—creig a tha gu math coltach ri ceann duine ’s a bhial fosgailte. Dh’ fharraid e an sin d’e an robh fhios aige c’ ainm a bh’ oirre. Thuirt Dònull nach robh. “Is sid agad ma ta,” osa Mac-Cailein, “an Gàire Gnàda.” Thuig Dònull co air a bha e ’tighinn, agus an tionndadh na boise, thuirt e— “Gàire Gnàda ’s ainm do ’n chreig, Us fanaidh i mar a ghnàth; Gheobh thu leithid agad fhein, Ma sheallas tu ’n eudann do mhnà,” Is iad na cùmhnanntan a chuir Mac-Cailein mu choinneamh creach a thogail á Mùideart agus té eile á Atholl: bha e ’n duil mar so gu ’n cuirteadh as da gun làmh a bhi aige fhein ’n a bheatha. Dh’ aontaich Dònull ri so, agus thug e Mùideart air. Dh’ innis e do bhràthair a mhàthar an t-slighe air an robh e agus chuir e a chomhairle ris. Thuirt bràthair a mhàthar ris gu’n robh daoine ’s a choimhearsnachd a bu bheag air, agus na ’n togradh e gu’m faodadh e an creach a thogail; agus an uair a thigeadh a’ chùis gu chluasan-sa gu’n cuireadh e an tòir air, air sgath sgoinne, ach nach biodh an ro-chabhag air. Is ann mar so a bha. Chaidh e an sin do Atholl ’s rinn e an cleas ciadna. Thill e rithist gu MacCailein ’s rinn iad an réit. Bha Dònull a’ tilleadh dhachaidh á Siorrachd Shriobhla far an robh e air cheann cobhartaich air choirigin, agus thaghail e an tigh ’san robh bainis gu bhi an oidhche sin. Cha d’ rinneadh biadhtachd a b’ fhiach riutha; agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad an dàil biadh na bainse a’ chuid nach d’ ich iad mhìll iad, agus thug iad ris a’ bhruthach. Shin iad air Dòuull ’s cha b’ fhada gus an robh iad suas ris. Ghlaodh fear de na daoine riutha a’ fanaid orra air son na dh’ òl iad de ’n andbhruich. “Stiubhartaich bhuidhe nan tapan, A bheireadh glag air a’ chàl.” Thug fear de dhaoine Dhònuill tionndadh air fhein, ’s tàirnear e an t-saighead ’s e freagairt— “Ma tha ’n tapan againn mar dhùthchas, Is dù dhuinn gu’n tarruinn sinn taifeid.” Chuir e an t-saighead romh a chridhe, agus ’s e bh’ ann gu’n deachaidh iad uile an dàil a chéile, ’s thuit mòran diubh air gach taobh. Bha Dònull pòsta dà uair. Ris a’ bhiad mhnaoi, nighean do Iain Stiubhart am Bun-Raineach bhe ceathrar mhac aige—Alastair a dh’ eug gun phòsadh, Dunnchaidh a thàinig a stigh ’n a àite fhein, Ailein bho ’n d’ thàinig Tigh Bhaile-’Chaolais, agus Iain ris an abairteadh Iain Dubh Mac Dhònuill, aig an fhear so bha Leitir-Shiùna. —DONULL ’sa Ghaidheal. Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 280] [Vol. 4. No. 35. p. 8] AN TUIL. LEIS AN URR. D. MAC GILLEAIN. Tha ghrian anns na h-ardaibh ag éiridh gun ghruaim, ’S an saoghal bu shàmhach a’ dùsgadh á ’shuain; Tha ceòlraidh na coille a’ gleusa’ ’n cruit-chiùil, ’Cur fàilt’ air a’ mhadainn le aighear ’s le sunnd. Tha maise a’ chéitein air réidhlean nam beann, Air coille nam badan, ’s air lagan nan gleann; Sgaoil samhradh na maise a bhrat air gach taobh. ’S air aghaidh a chruinne tha gean agus aoidh. Tha choille a’ lùbadh fo dhrùchd a’ mhìos Mhàigh, Barr-guc air gach fiùran, ’s gur cùbhraidh am fàil’; ’S am barra nan ògan tha còisridh nam fonn, Le ’n ribheidean ceòlmhor ’s le ’n òrain nach trom. Tha canach air mòintich, tha neòinean air blàr, Tha fiùrain is ògain gu nòsar a’ fàs; Tha fochann air còmhnard ’tha lòdail gun dith, Le ’phailteas ’cur sòlais is dòchais ’s a’ chrìdh’. Tha ’n ceannaich’ r’ a cheannachd, tha ’n treabhaich’ ri stà, Tha ùpraid is iomairt gun tilleadh ’s gach àit; Tha ’m buachaill’ gu h-aotrom ri aodann nan càrn, Ag iomain nnn caorach, ’chruidh-laoigh, is an àil. A mach feadh nam bruachag is cluaintean an fheòir, A’ mireadh ’s a’ ruagadh, gun ghruaman na ’n còir, Tha ’n comunn is beadraich’, clann bheaga mo ghaoil, Gun chùram ’s gun eagal, ri cleasachd neo-chlaoin. Cia nise am bagradh a ’chuireadh oirnn sgàth, ’Thuirt gun robh ’m Britheamh gu ’r milleadh gun bhàigh— E sgeadaicht’ le corruich ’s le torran nan spéur, ’Chur an t-saoghail am mugha, a chruthaich e fhèin? Faoin-sgeul gun fhirinn, gu cinnteach, a bh’ ann, A’ chuireadh an ìre an dìle bhith teann! Tha gach nì mar bu ghnàth air gach làimh agus àird, Bho ’n chaidil ar sinsnear, tha gach nì mar a bha. ’S e Noah bha baoghalta ’shaothraich cho dian, A’ sgaoileadh an fhaoin-sgeoil nach fhaod a bhith fìor; A sgap a chuid stòrais, gun sòradh, gun stà, Air obair na gòraich—bu neònach sud dha. Cha chualas mac-samhuil na naigheachd ud riamh; ’S ciod thuige a ghabhamaid gealtachd no fiamh? An t-slige ’s a’ chuach, mu ’n cuairt iad fo stràc, Gum b’ fhada sud uainne, gach smuairean is pràmh! Ach ciod so a’ ghruamaich a chuartaich a’ ghrian? Is ciod so a’ chuairt-ghaoth tha sguabadh nan nial? “’S e torman a’ chaochain o’n aonach a th’ ann— ’S e anail na gaoithe o chaoin-shlios nam beann.” Tha clanna an aighir an talla a’ cheòil, Gun chùram, gun eagal, ri beadradh mu ’n bhòrd; Tha ’chuirm air a sgaoileadh, is aoibh air gach gnùis, ’S chaidh cùram an t-saoghail a thaobh is air chùl. Tha ’phìob is an fhidheal gu fileant’ ri ceòl, Tha ’n t-organ ’s a’ chlàrsach gu làbhar ’n an còir; Tha ’n t-òran ’s an dàn ann, tha àbhachd is mùirn, Tha ’n cupa fo stràc ann, feala-dhà agus sunnd. (Ri leantuinn.) B’ e sin an reul ’san oidhche dhoilleir. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; NIALL DOMHNULLACH Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 281] [Vol. 4. No. 36. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 14, 1896. No. 36. Litir a Amaguadus. A MHIC-TALLA RUNAICH:—’S mor an t-urram bu chòir do na Gàidheil a thoirt dhuit airson an oidhearp dhichiollach a thug thu le bhi clo-bhualadh do phaipear gasda ann an cànain cliùiteach ar sinnsir. Faodar a radh gu robh na Gàidheil anns gach cearna dhe’n t-saoghal an deigh a leigeil á cleachdadh ’s air diochuimhn’ gu mor le cion ’s nach robhas ’ga teagasg no ’ga sgriobhadh. Ach a nise tha fuaim àluinn do ghuth binn-sa a seinn bho dhorus gu dorus ’g an dùsgadh suas gu barrachd spéis a thoirt dh’ i, ’sa cur an co bhonn ri cànainean eile an t-saoghail. Agus ma bhios iad dileas, cha’n eil teagamh nach bi a’ Ghàilig aon uair eile cho ùrail, beothail, ’sa bha i riamh; agus ’na linn ’s na latha cò thug bàrr oirre? Tha mi an dòchas gu bheil thu faighinn cuireadh fialaidh, fada, farsuinn, bho gach cagailte aig am bheil Gàidheil a’ còmhnuidh, agus gu’n teid iad an guaillibh a chéile a nochdadh an duinealais agus an diltseachd do chainnt am màthar agus an dùthcha. Tha fhios agam gu bheil feadhainn ann nach eil ’g ad chuideachadh, agus a’ gabhail mar leisgeul nach urrainn daibh Gàilig e leughadh. Tha so na aideachadh leibideach do neach sam bith a leughas Beurla, a chionn neach a leughas Beurla agus a labhras a’ Ghàilig, tha e comasach air a Ghàilig a leughadh le gle bheag saoithreach, agus mur toir e ’n oidhearp, tha e deanamh dimeas air a chainnt nàdurra a chleachd e air glùn a mhàthar. Tha feadhainn eile ann, ma dh’ ionnsaicheas iad leth-dusan facal de dh’ ablachas Beurla, nach leig a mhoit no a mheud-mhor leotha an cainnt féin a labhairt. ’S ann a tha iad ’ga ruith sios agus a toirt tàire dhi; tha iad air son a bhi gallda, ach mar is trice tha ’n da chuid a’ Ghàilig ’sa Bheurla air chall orra. Chaill iad an cainnt féin ’s cha d’ fhuair iad cainnt eile. Ma tha gin dhe’n t-seòrsa sin a tachairt riut, dùin an dorus orra ’s cum a muigh iad. Tha mi toilichte gu bheil agam ri innse dhuibh gu’n do chuireadh Clas Gàilig air chois anns an àite so a chionn còrr us da mhios, agus gu bheil a’ chuid a’s mò de na gillean òga a’ deanamh an dichill air leughadh agus sgriobhadh Gàilig ionnsachadh. Tha mi cur ’gur n-ionnsaidh airgead agus ainmean cuid de na gillean sin aig am bheil moran tlachd ann a bhi leughadh a MHAC-TALLA, agus a tha air son fhaotainn dhaibh féin. Bidh mi nise co-dhùnadh le mile beannachd us deagh dhurachd do MHAC-TALLA, agus d’a chàirdean uile. Is mi, an latha chi ’s nach fhaic, ur caraid dileas, A. S. Da Am Sonraichte. Ann am baile beag an Alba uair bha coinneamh stuaime aca. Am feadh ’sa bha i dol air adhart dh’ éirich seann duine ’na sheasamh nach robh gle ainmeil air son a chuid stuaine, agus labhair e riuthasan a bha cruinn. An deigh dha bhi air a chasan dha no tri mhionaidean, thuirt e mar a leanas, “Mo chàirdean, tha direach da àm sònraichte ann anns an òl mise uisge-beatha.” Chuir so mòran de na h-eòlaich gu gàireachdaich ’s gu spòrs, ach cha do chuir sin athadh sam bith air-san. “’S e aon de na h-amannan sin” ars esan, “nuair a bhios maragan agam air mo dhinneir; agus ’se ’n t-àm eile ’nuair nach bi maragan agam.” Ma thuirt e ’n còrr, cha chualas e: rinn an sluagh a leithid a chaithream ’s gu’m b’ fheudar dha suidhe. Tha luchd-cogaidh ag radh, na’n tigeadh aimhreit eadar Breatuinn agus na Stàitean, gu’m b’urrainn do Chanada armailt anns am biodh ceud mile duine a thogail. Le armailt cho mor sin, agus Montreal, Toronto, agus St. John air an daighneachadh, cha bu chùram dhi mu choinneamh armailt sam bith a chuireadh na Stàitean ’na h-aghaidh. Tha còrr us leth-chud mile do chloinn ann am baile New York nach eil a’ dol dh’ an sgoil latha dhe’n bliadhna. Cha ’n ann a chionn ’s nach eil toil aca dhol ann, ach a chionn nach eil taighean sgoile gu leòr anns a’ bhaile a tha iad mar sin. Tha luchd-riaghlaidh a’ bhaile ag radh nach urrainn dhaibh-san a chùis a leasachadh do bhrigh nach eil an t-airgead aca. Cha’n eil sin ach bochd do bhaile a tha cho mor agus cho beairteach ri New York. Cha ’n eil daoine cinnteach fhathast co dhiu tha no nach eil an sgeul fior gu’n d’ thàinig Dr. Nansen ceann a tuath an t-saoghail. Tha cuid ann a tha dhe’n bharail gu bheil e fior, agus cuid eile nach eil. Cha d’ fhuaireadh sgeul air Nansen fhéin fhathast, agus cha ’n urrainnear a bhi cinnteach gu dé chaidh aig air a dheanamh. Chaochail an t-Urramach Seumas Reid, ministeir na h-Eaglais Shaoire ann am Port-righ, air an darra latha deug dhe’n mhios s’a chaidh. Shaothraich e mar mhinistear anns an Eilean Sgiathanach dlùth air leth-cheud bliadhna. Rugadh e ann an Siorramachd Pheart. Tha còrr us tri fichead mile ’sa deich de dh’ iasgairean a saoithreachadh gach bliadhna air cuaintean, aimhnichean, agus lochan Chanada. Is fhiach na tha de shoithichean, de bhàtaichean, de lin, ’s de gach ni eile a tha ’s an obair, naodh muillein dolair. Tha an ti a ta ’deanamh maith do dhuine eile, a’ deanamh mar an ceudna maith dha féin, cha ’n e mhàin ’sa ’n àm a ta ri teachd, ach ’s an àm a ta lathair. Is mòr an duais deagh choguis a bhi ’toirt fianuis air deagh dheanadas. Is ann air a shon fhéin a ni ’n cat an crònan. Is ann a bhios a chòir mar chumar i. [TD 282] [Vol. 4. No. 36. p. 2] ALASDAIR MAC CHOLLA. B’ ainmeil an duine so an Gaeltachd Alba la ’g an robh an saoghal; agus tha sinn a deanamh dheth nach miste le ’r luchd-duthcha caileiginn a chluinntinn uime. Bha ’n duin’ ainmeil so de chloinn-Domhnuill Antrim an Eirinn. Bu mhac e do Cholla Ciotach, a ghlacadh ann an Dun-naomhaig an Ile, agus a chuireadh gu bàs an Dunstaidhinis. ’Nuair a rugadh Alasdair, tha beul-aithris, (as nach ion mor earbs’ a chur,) ag innse mu nithibh iongantach a thachair mu thaigh ’athar, air chor ’s gu ’n do chomhairlich cuid de na càirdean cuir as da, gun tuille dàlach. “Cha dean sibh sin,” a deir a mhuime, aig an robh fiosachd a reir barail nan amanna sin; “bithidh e fhathast ’na ghaisgeach foghainteach, agus eiridh buaidh leis, gus an sath e ’bhratach an Gocam-go.” Dh’ fhàs e suas gu bhi ’na dhuin’ eireachdail, agus ’na fhear-claidheamh co maith ’sa bha ’n Eirinn. Anns a’ bhliadhna 1644 bha buidheann de ’n fheachd ri ’n cur a dh-Eirinn chum còmhnadh le Montròs, as leth an darra Tearlach. ’Nuair a chruinnich Maithean na tìre a shònrachadh co a rachadh air ceann an airm, bha da fhlath uasal Eirionnach aig an robh fiughair ris an urram sin, a thaobh meud an càirdean aig a choinneimh. “Bu choir,” a deir Ceann-mhath na cuideachd, “an t-urram a thoirt do ’n ghairdean is treise an Eirinn, nam biodh fhios co e.” “So e,” deir Alasdair, ’s e tarruing a chlaidheamh, “a dh’ aindeoin co theireadh e.” “C’ait am bheil an t-ath-ghàirdean,” a deir an Ceann-suidhe? “So e,” a deir Alasdair, ’s e tilgeadh a chlaidheamh ’na laimh chlì. Cha do chuir duine na aghaidh, agus Fhuair Alasdair a bhi ’na Cheann-feadhna air a’ chuideachd. Thàinig Alasdair le cuig ceud deug fear, air tìr air taobh na h-àird an Iarr de dh’Earra-Ghàidheal. Tha iomad sgeul beag air aithris m’ an duine so, nach fiach a bhi air innseadh, ach is iomad gniomh euchdach a dh’ fheudt’ aithris air, mar tha e againn sios ann an eachdraidh. An deigh dha Caisteal Mhingairidh an Ardnamurchann a ghlacadh, ghabh e suas do Ghleanngaraidh, far an do choinnich na daoine sin agus muinntir Bhàideanach e a bha air an aon taobh ris fein; ghabh iad air an aghaidh gus an d’ ràinig iad Dun-chailleann, far an do choinnich iad Iarla Montròs, a thug do dh’ Alasdair an t-àite bu tinne air féin ’s an fheachd; agus cha b’ fhada gus an do dhearbh e gu ’m b’ airidh air an urram sin e. Bha fuath anabarrach aig Alasdair Mac Cholla, agus aig Clann Domhnuill air teaghlach Earra-Ghàidheal, cha ’n e mhàin a chionn gu ’n robh iad an aghaidh an Righ, ach gu ’n do bhuin iad moran d’ am fearann o na Domhnullaich, agus chum aicheamhail a thoirt a mach air a shon, dh’ aom e Montros gus an geamhradh 1645 a chaitheamh ann an duthaich Mhic-Cailein. Dh’fhairtlich orra an Caisteal a ghlacadh, ach loisg iad bail’ Inbhear-aora, agus chreach iad an duthaich air fad m’an cuairt. ’S gann a dh’ fhàgadh tigh air bonn, ionnas gu bheil e ’na ghnàth-fhocal ’san tir sin gus an la an diugh. “Alasdair Mac Cholla fear tholladh ’nan taighean,” agus bha na h-uiread eagail roimhe, ’s gu bheil ainm fhathast air a chleachdadh mar bhòchdan gu clann a chumail sàmhach. Dhearbh Alasdair e féin ’na dhuine ann an iomad cumasg beag, ach ’se latha Inbhear-lochaidh a tharruing gu mor mheas e. ’Nuair a thàinig e le Montros roi’n bhlar sin air toir nan Caimbeulach, ’se Iain Lom am bàrd a b’ fhear-iùil doibh. Air dhoibh tighinn an sealladh nan Caimbeulach, thuirt Alasdair ris a’ Bhard, “Theid thu sios leam a màireach gu cath a thoirt do na Guimhnich.” B’e Iain Lom an gealtaire bu mho a bh’ air an t-saoghal; ach cha robh chridh’ aige a dhiùltadh. “Ma theid mise sios, agus gun tuit mi, co a dh’ innseas sgeul air do ghaisge? ach theirig thusa sios, agus dean mar is gnàth leat, agus seinnidh mise do chliù.” “Ni mi sin” arsa Alasdair. Tha fios mar choisinn Montros an la sin, agus mar chaidh an ruaig air na Caimbeulaich. Bha Alasdair Mac Cholla maille ri Montros ann an iomad cath cruaidh, an deigh sin, gu h-àraidh aig Allt-Eirinn, agus Kilswith: agus tha daoine fiosrach ag radh nach robh buaidh le Montros an deigh dha dealachadh ris. Rinneadh Alasdair so ’na Ridire air son a rioghalachd do Righ Tearlach. An deigh dha dealachadh ri Montros, leis a’ bheagan Eirionnaich a bha làthair, rinn e air son Chinntire, far an robh fhathast beagan fearainn agus cumhachd aig Cloinn-Domhnuill; agus as am bu reidh dha dol thairis do dh’ Eirinn. A thuilleadh air na h-Eirionnaich a bha leis, bha Mac-Dhùghaill Latharna ’sa chuid dhaoine, agus muinntir eile a bha fhathast dileas do ’n Righ, a chaidh sios leis a chum comhnadh a dheanamh le Clann-Domhnuill an aghaidh Sliochd Dhiarmaid, a bha miannachadh a chuid fa dheireadh d’an oighreachd a bhuntainn uatha. Tha e air aithris mu Alasdair Mac Cholla, mar bha e air a thurus sios do Cheann-tire gun d’ éirich dha air la araidh, stad e fein ’sa dhaoine, chum am biadh maidne a ghabhail; am feadh ’sa bha iad ’ga dheasachadh, shuidh e a’ cur a sgios, air cnocan boidheach uaine, dlùth do mhuillean, air an do shath e ’bhratach. “Is boidheach an cnocan so,” a deir e, “C’ainm a th’air?” “Tha” ars am Muilleir, “Gocam-go,” Gu grad dh’ éirich Alasdair, “Fàgamaid, Illean an t-àite so,” oir chuimhnich e air faisneachd a mhuime. Ghabh iad air an adhart, agus mar bha iad a’ dol seachad air Caisteal a bha san am sin san Lochan-leathann an sgireachd Ghlasraidh, loisgeadh air, agus thuit am fear a bha r’a thaobh. “Is moch,” a deir Alasdair, a loisg a’ chuthag ort,” oir b’e la Bealltuinn a bh’ ann. “Ceum ris a’ bhruthach, illean,” a deir e, gun tuille suil a thoirt air an fhear a thuit. Air a’ cheart àm so bha ’n Triath Earraghaidhealach le arm làidir fo ’n Cheann-fheachd urramach sin Leslie, a fhuair buaidh air Montros aig aig Philip-haugh, a’ gabhail sios do Cheann-tìre, chum am buille deireannach a thoirt do chumhachd Chloinn-Dòmhnuill a bha air taobh an Righ. B’ fhurasda do Alasdair am feachd so a ghearradh as ann an Garbhlach Sliabh-gaoil, far an do theab e fairtleach’ air Leslie a mharc-shluagh a thoirt air an aghaidh: ach o’n la a shath e a bhratach ann an Gacam-go, cha robh soirbheachadh leis. Air a thurus mu dheas chuir e féin ’sa dhaoine seachad oidhche ann an garadh Tighearna nan Learg. Bha trupairean Leslie air a thòir, ach bha sgath orra roimhe o nach d’ thainig an t-arm coise air an aghaidh. Dh’ fhan iad uime sin air an ais gun dùil gu’m biodh an t-arm aca air an ath-mhaduinn. Dh’ fhadaidh Alasdair teinntean mòra timchioll a’ Ghàraidh, mar gu ’m b’ ann chum a dhaoine a bhlathachadh, agus an deigh dha fear fhàgail a chumail an teine suas, agus Piobaire d’ an aithn’ e seinn fad na h-oidhche, thog e air le dhaoinibh, [TD 283] [Vol. 4. No. 36. p. 3] agus bha e dluth do Chaisteal Dhunabhartaidh m’ an iondrain càch air falbh e. Mo thruaighe! am Piobaire bochd, chuireadh á ’chomas an cleas ceudna dheanamh, oir thug iad gu neo-iochdmhor dheth na meòir. Dh’ fhàg Alasdair tri cheud fear ann an Dunabhartaidh, agus thug e Ile air, agus an deigh dha da cheud eile d’a chuid daoine fhagail aig ’athair, Colla Ciotach, ghabh e ’n t-aiseag do dh’ Eirinn, far an do mharbhadh e beagan ’n a dheigh sin, ann an cath a chuir e leosan a dh’éirich an aghaidh Iarla Charlingford. Mar so chaochail an Curaidh treun so. Cha robh duine a thug barr air fo stiuradh fir eile, ach cha do choisinn e cliù leis fein. Bha e iomraideach an dan, agus rinneadh iomad oran molaidh dha an da chuid an Eirinn ’s an Albainn. Alasdair a laoigh mo chéille, Cò chunnaic no dh’ fhàg thu ’n Eirinn; Dh’ fhàg thu na mìltean, ’s na ceudan; ’S cha d’ fhàg thu t-aon leithid fhein ann. Calpa cruinn an t-siubhail eatruim, Cas chruinneachadh an t-sluaigh ri chéile; Cha deanar cogadh as t-eug’ais, ’S cha deanar sith gun do reite; ’S gar am bi na Guimhnich reidh riut, Gu ’n robh an Righ mar tha mi fein duit, &c. &c. —An Teachdaire Gaidhealach. Ceol na Pioba. Is ann mar a leanas a tha Gall àraidh a bha air thurus anns a’ Ghàidhealtachd a’ cur an ceil mar dhrùigh ceòl na Pioba air anam nnair a chuala e i am measg nam beann. “Bha sinn a’ coiseachadh troimh bhealach, fhàsach, bhorb, agus na beanntainn mòra ag éiridh gu cas air gach taobh, agus bha na bruthachan gorma a ruigsinn cho fada agus a b’ urrainn duinn faicinn. Nuair a bha sinn ag amharc air an t-sealladh bhriagh, àillidh, iongantach so, chuala sinn ceòl milis na Pioba mòire o astar fad air falbh, agus thug a’ ghaoth am fuaim ceòlmhor, binn d’ ar n-ionnsuidh. Cha chuala mi roimhe sin, ceòl cho binn, nèamhaidh, agus re tamull beag bha m’ inntinn air a giulan o nithe faicsinneach. Sheall sinn gus an aird o’n d’ thàinig e, agus chunnaic sinn duine sgeadaichte anns an éideadh Ghaidhealach a siubhal gu pròiseil air frith-rathad a bha ’fiaradh a nuas fada fodhainn. Chaidh e as an t-sealladh an tràsd agus a rithist air cùl nan cnoc, ach bha an ceòl a’ leantuinn fad na h-uine. Cha’n fhaca mi riamh a leithid de shealladh. Rinn mi tarcuis air a’ Phiob mhòir roimhe sin, ach bha mi lan chinnteach a nìs gur ann a bha sin a chionn ’s nach do chuala mi riamh i am measg nam beann, no air a làimhseachadh gu ceart. Cha di-chuimhnich mi an latha sin gu bràth; tha e air a dheargadh air m’ inntinn. Is abhuist domh a nis a bhi anabarrach toilichte nuair a chluinneas mi fuaim ceòlmhor na Pioba mòire.” T. Ann an Eaglais ann an cearna de’n t-seann dùthaich, bha duine air latha Sàbaid àraidh ag éisdeachd ri searmon nach robh a deanamh moran drùghaidh air, agus thuit e ’na chadal. An teis-meadhon na seirbheis, dhùisg e le clisgeadh, chuir e làmh air a cheann, agus fhuair e nach robh còmhdach sam bith air. A’ smoineachadh gur ann aig an tigh ’s na leabaidh a bha e dh’ éibh e mach àrd a chlaiginn, “Càite ’bheil mo churrachd-oidhche?” Leabhar Naduir. Tha ’n sean-fhocal ag radh gur e’m fear a’s fhaide saoghal a’s mò a chi. Is e is mo a chi de làithean ’s de bhliadhnaichean, gun teagamh sam bith; ach cha’n eil fhios agam an e a’s mò a chi dhe na nithibh a dh’ fhaodas a bhith mu ’n cuairt da. Cha’n e h-uile fear do ’n aithne nithean fhaicinn gu ceart. Tha mòran dhaoine air an talamh do nach aithne amharc gu ceart air obair a’ chruthachaidh. Tha leabhar mòr nàduir gach latha sgaoilte fa ’n comhair, ach cha’n eil iad a gabhail beachd air. Tha iomadh leabhar ann a tha daor ri ’cheannach agus duilich ri ’leughadh; agus ged nach biodh a bheag a dh’ eòlas aig duine air na leabhraichean so tha a lethsgeul, ann an tomhas mòr, ri ghabhail. ’S iad na daoine beairteach, fòghluimte, a mhàin a tha comasach air na leabhraichean daora, duilich so a cheannach agus a leughadh. Ach faodaidh a h-uile duine anns am bheil riaghailt de thùr nàduir, mòran fhòghlum o leabhar mòr nàduir. Tha tri duilleagan anns an leabhar so—na speuran, an fhairge, agus an talamh. Air na duilleagaibh so tha moran sgriobhte—mòran a théid againn air a thuigsinn, agus mòran nach urrainn sinn a thuigsinn ged a bhiodh gach aon dhinn ceudan bliadhna beò. Faodaidh sinn buannachd fhaotainn o’n chuid nach tuig sinn dheth mar a gheibh sinn o’n chuid a thuigeas sinn. Tha so iongantach, ach tha e fior gu leòr. Nach mòr a bhuannachd a dh’fhaodas sinn fhaighinn air oidhche bhriagha, chiùin gheamhraidh an uair a bhios na rionnagan a’ dealradh os ar cionn, le bhith gabhail beachd orra? Cha ’n urrainn dhuinn a bheag a thuigsinn mu ’n timchioll ach gur pàirt iad a dh’ obair iongantaich Dhé. Tha sinn air ar lìonadh le ioghnadh aig cho lionmhor, ’s cho maiseach ’sa tha iad anns na speuraibh. Their sinn ruinn fhein gur anabarrach mòr an cumhachd a th’ aig an Ti a chruthaich iad, ’s a tha ’g an cumail rè an cuairt o bhith bualadh ’na chéile ’s iad uile an crochadh air neo-ni as ar cionn, agus air gach taobh dhinn. Tha Iompaire Iapan na cheann air sluagh a rioghachd ann an da sheadh,—’se an righ ann an gnothuichean aimsireil, agus an àrd-shagart a thaobh nithean spioradal. Tha a theaghlach anns an dreuchd dhùbailte sin o chionn da mhile ’s coig ceud bliadhna. Is esan a th’ ann an diugh an t-siathamh fichead glùn ’sa dha dhe ’n teaghlach. A’ cheud fhear de shinnsirean a fhuair do ’n chathair rioghail, bha e beò ri linn Nebuchadnésar, 660 bliadhna mu ’n do rugadh Criosd. Cha ’n eil urra rioghail eile air an t-saoghal is urrainn e-fhéin a shloinneadh cho fada sin air ais. DUINE TREUN.—Ann an Ogust, ’sa bhliadhna 1786 chaidh fear Ruairidh Mac Fhionghain, aois cheithir fichead bliadhna ’sa seachd deug, a bhàthadh eadar an t-Eilean Sgiathanach agus Uidhist. Da fhichead bliadhna roimhe sin, theabas a bhàthadh ’sa cheart àite ’s e ’na fhear-iùil air a’ bhàta bha giùlan Phrionnsa Tearlaich. ’N uair a chaidh a thearnadh, bha chàirdean ro thoilichte, ach ’s ann a thuirt esan. “Gu de ’s fhiach mo bheatha-sa? Bu choma leam ged bhithinn fhin us deich mile eile bharrachd orm marbh na ’m biodh mo Phrionnsa air a chòir fhaighinn.” Tha briathran coltach ri saighdean—cha bu chòir an ti lgeil air thuaiream. [TD 284] [Vol. 4. No. 36. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 14, 1896. Tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a tha cùisean a’ dol air adhart ann an Cuba. An darna h-uair thig sgeul gu bheil na Spàinnich a’ sguabadh nan ceannairceach rompa, agus gu ’m bi iad fo chìs aca an ùine ghearr. An uair eile thig sgeul ag innse gu bheil na ceannaircich a’ faotainn buaidh, gu bheil na Spàinnich a call an dòchais, agus nach bi fada gus an fheudar dhaibh an t-eilean a threigsinn. ’Se ’s dòcha nach eil an tull-fhìrinn air innse uair seach uair, ach tha e cinnteach gu bheil cogadh cruaidh, fuilteach, a’ dol air adhart, agus gu bheil gach taobh suidhichte air buaidh a thoirt a mach, ma ghabhas e deanamh. Tha Inbhirnis, ceanna-bhaile na Gàidhealtachd, an deigh drochaid ùr a chur thairis air an Amhuinn Nis; bha i air a’ fosgladh air Di-màirt, an t-siathamh latha fichead de ’n mhios s’a chaidh. Tha i air a deanamh air cruaidh, agus chosg i faisg air seachd mile pùnnd. ’S e drochaid fhiodha, a thogadh ’sa bhliadhna 1808, a bh’ aca na h-àite roimhe so, agus o chionn àireamh bhliadhnaichean bha i air fàs dona agus air a meas glé chunnartach. ’Se ’n t-ainm a thngadh air an drochaid ùir, Drochaid Waterloo. Chaidh tigh mor a losgadh ann an Westville, Mas., Di-ciaduin a b’ fhiach ceud mile dolair. Bhuineadh e do na Saor Chlachairean. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Bha Dr. Jamieson agus a chuid oifigeach air an toirt gu cùirt ann an Lunnainn Di-màirt. Bha sluagh mòr cruinn, agus nam measg bha mòran de luchd-pàrlamaid agus de dh’uaislaan na rioghachd. Tha e air fhàgail air Jamieson gu ’n d’thug e fhéin ’s na oifigich eile na daoine a bha còmhla riutha leotha le car, ag radh riutha gur ann an aghaidh fear de chinn-fheadhna nàisinnich na dùthcha a bha iad a’ dol. Thug fear da na trùpairean fianuis a dearbhadh sin. Tha an càs ri bhi air a leantuinn air an ath sheachdain. Ged nach eil MAC-TALLA ach beag, tha e ri feum mòr ann a bhi ’g ionnsachadh do ’n òigridh aig a bheil Gàilig a’ chainnt sin a leughadh. Cha mhòr gu bheil seachdain a’ dol seachad gun sinn a chluinntinn bho chuid-eigin a dh’ ionnsaich a Ghàilig a leughadh air a thàilleabh. Fhuair sinn an litir a leanas oidhche Dior-daoin.— “FHIR-DEASACHAIDH:—Anns an litir so gheobh sibh dolair air son a phaipeir a tha mi faighinn gu riaghailteach gach seachdain. ’Nuair a thoisich mi air fhaighinn an toiseach, cha rachadh ag am ach air glé bheag dhe a leughadh, ach an diugh ’s gan gu bheil facal ann a dh’ fhairtlicheas orm. ’S mi nr caraid,” D. M. Bha caraid ag radh ruinn o chionn ghoirid gu ’m b’ aithne dha fhéin moran de ghillean ’s de nigheanan òga nach do smaoinich riamh air ionsuidh a thoirt air Gàilig a leughadh gus an d’ thàinig am MAC-TALLA mach, a tha ’n diugh comasach air a leughadh gu fileanta. Agus cha ’n eil teagamh againn nach eil a’ cheart ni fior uime anns gach àit ’m bheil e dol air feadh an t-saoghail. Nach mòr agus nach math an obair a tha e deanamh, agus nach bu chòir do gach Gàidheal aig a bheil meas air a chànain dhùthchasach uile dhìchioll a dheanamh air a chumail suas. Sean Fhacail. Cha ’n eil eadar an duine glic ’s an t-amadan, ach gu ’n ceil an duine glic a rùn agus gu’n innis an t-amadan e. Cha’n eil eadar an t-amadan ’s an duine glic, ach tairgse mhath a ghabhail ’n uair a gheobh e i. Cha’n eil eadar duine ’s tuilleadh fhaighinn, ach na th’ aige chaitheamh. Cha’n eil easlainte gun iocshlanite, ach cha’n eil tilleadh air an aog. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 285] [Vol. 4. No. 36. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha réis each air an acarsaid Dior-daoin. Cha robh a ruith ach da each, Zulu Chief agus George. Ruith iad tri uairean agus choisinn George, each Challaghan, a h-uile uair. Bha geall ceud dolair eatorra. Bho thoiseach a mhios so gu toiseach September, cha’n faodar maighich a mharbhadh. Duine sam bith a mharbhas gin ’san ùine sin, no aig am faighear gin dhiubh, faodar càin chòig dolair a chur air. Chaidh ròn a thomhais còrr us da cheud pùnnd a mharbhadh an la roimhe air an rathad mhor ann an Siudaig. Chaidh fear eile a mharbhadh air an Eilean Mhor, aig Mill Pond, agus e mu leth-mhile bho’n uisge. Tha muinntir a Bheighe-’n-Ear ag iarraidh rathad-iaruinn a bhi air a chur ’g an ionnsuidh. Cha’n eil am Beighe ach mu dha mhile dheug á Sidni, agus cha chosgadh an rathad fior mhoran, ’nan cuireadh an riaghladh roimhe a chur ann. Bha coinneamh ann an Glace Bay oidhche Di-luain air son cuideachadh a dheanamh leis na h-Armenianaich. Chaidh leth-cheud dolair a chur cruinn air son a chur ’g an ionnsuidh. Thatar a deanamh cruinneachadh airgeid air son an aobhair cheudna ann an Sidni. Bha fear Seumas Seabury, ann an siorrachd Shelburne, a coiseachd dhachaidh á coinneamh-ùrnaigh oidhche o chionn ghoirid agus ann an tiotadh dh’ fhàs e dall. Threòraich iadsan a bha còmhla ris dhachaidh e, agus uaithe sin tha ’n oidhche ’san latha m’an aon rud dha. Bha coinneamh Cléire ann an Sidni-a-Tuath Di-màirt, agus àireamh mhath de na ministearan cruinn. Thatar a bruidhinn air sgireachdan a Bhras d’ Oir Bhig agus Leitches’ Creek aonadh, agus aon cho-thional a dheanamh dhiubh. Tha a chuis ri bhi air beulaobh na Cléire ’s an fhoghar. Tha ’n t-Urr. Dr. Murray a dol a dh’ fhàgail co-thional Sidni-a-Tuath deireadh an earraich. Chaidh triùir bhoirionnach a mhurt ann an San Francisco o chionn mios, agus cha’n eil fhios cò aige bha làmh ’nam beatha. Fhuaireadh an té mu dheireadh dhiubh marbh ’san leabaidh ’sa mhaduinn Di-màirt s’a chaidh ’s i air a tachdadh le néapaicin-pòca bhì air a chur sios ’na h-amhaich. Cha deachaidh beantain do ni sam bith a bha ’san rùm. Cha’n eil dòigh aig na maoir air an duine chiontach a lorgachadh a mach. Tha e car coltach ri obair “Jack the Ripper.” Ann am Brockville, an Ontario, bha fear La Ponte air an daoraich oidhche Di-luain s’a chaidh, agus fhuair e gunna ’s thòisich e ri losgadh air gach duine chitheadh e air an t-sràid. Chaidh aon duine a mharbhadh, agus sianar no seachdnar a leònadh, dithis dhiubh cho dona ’s nach bi iad beò. Bha an duine as a cheann agus bha e ’losgadh cho luath ’sa b’ urrainn da. Mu dheireadh loisgeadh air fhéin, chaidh an urchair an sàs ann, agus an sin fhuaireadh a thoirt air falbh dh’ an phriosan. FORTAIN.—Tha fear Felix Elsliner, ann an Dalhousie, N. B., an deigh fios fhaotainn á Astralia gu’n do chaochail a bhràthair Deòrsa an sin, agus gu’n d’ fhag e dileab da fhichead us tri mile dolair aige. Tha teaghlach ann a Yarmouth aig a bheil sùil ris a chuid a’s mo de dh’ oighreachd a tha anns an Ollaint, agus is fhiach da mhuillein dheug dolair. Dh’ fhàs an t-side car fuar air an t-seachdain so, a leigeil fhaicinn dhuinn nach eil an geamhradh seachad fhathast. Thuit dòrlach math sneachda oidhche Di-ciaduin, agus deàrrsach mhor uisge Dior-daoin a thug air falbh moran dhe’n t-sneachda, agus an deigh sin thainig reothadh. Ma thig beagan lathaichean reòta an deigh so, cuiridh iad á cuimhne dhaoine an t-side bhriagha bh’ ann roimhe so. Bha stoirm mhor le cur sneachda air cladach an ear nan Stàitean feasgar D-iciaduin. Chaochail Caiptean Uilleam Mathanach ann am Provincetown, Mass., Di-dòmhnaich s’a chaidh, tri fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’ aois. Rugadh e an Grand River ’sa bhliadhna 1828, agus chaidh e do na Stàitean ’nuair a bha e naodh bliadhn’ deug. Bha e na sgiobair air soitheach-iasgaich fad choig bliadhn’ deug air fhichead. Sguir e an sin a bhi dol thun na mara, agus bha e ’deanamh gnothuich air tir gu àm a bhàis. Dh’ fhág e bean, còignear nighean, agus aon mhac. Tha piuthar dha a’ fuireach ann an Auckland, an New Zealand. Chaidh fear Robert Bell, a mhuinntir Ottawa, a chur do’n tigh-obrach Di-luain s’a chaidh air son e-fhein ’sa bhean a dheanamh droch dhiol air ogha dhaibh, gille do’n ainm Percy Short, aois choig bliadhn’ deug. Tha a bhean ri bhi air a feuchainn fhathast, agus ’s i pailt a’s ciontaiche na esan. Chuir iad glas-lamh air a ghille agus cheangail ise e ri seithir air lobhta bheag an taighe far an robh uinneag fhosgailte, agus dh’ fhàg i e an sin a latha ’s a dh’ oidhche fad che’-la-deug. Bha so am meadhon a gheamhraidh, agus bha ’n gille bochd air a reothadh cho dona ’s gu’m b’ fheudar coig de mheòiream a chasan a ghearradh dheth. Tha Bell tri fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois. Tha e faotainn da bhliadhna ’s da mhios dhe ’n tigh-obrach, agus ’s math a choisinn e e. Chaidh boirionnach do’m b’ ainm Caitriona Nic Amhlaidh air chall faisg air Baile-nan-Gall toiseach na bliadhna agus cha chualas guth oirre uaithe sin. Bha i fuireach leatha fhéin ann an tigh beag ri taobh rathad a’ phosta faisg air a bhaile, agus deireadh na bliadhna thainig i gu New Campbellton far an robh càirdean dhi a’ fuireach. Dh’ fhàg i an t-àite sin latha na Bliadhn’ Uire, gu dhol dhachaidh. Cha ’n fhacas tuilleadh i, agus cha’n eil teagamh nach do chaill i a beatha air an rathad, oir bha aice ri dhol troimh àite fàsail, fiadhaich. Cha d’ fhuaireadh a mach gu robh i air chall gu ceann mios. Chaidh sealltuinn air a son anns gach àite ach cha d’ fhuaireadh sgeul oirre fhathast. Thatar a deanamh mach gu bheil a corp fo ’n t-sneachda agus nach fhaighear e gus an tig blaths an t-samhraidh. AM MART, 1896. 1 DI-DONAICH. II Di-donaich ’sa Charghus 2 Di-luain. Breith Pap Leo XIII, 1810 3 Di-màirt 4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36. 5 Dior-daoin. A Ghrian a’ laidhe 5.49. 6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 7.15, mad. 7 Di-sathairne 8 DI-DONAICH. III Di-donaich ’sa Charghus 9 Di-luain. Seisd Lucknow, 1858. 10 Di-màirt. A Ghrian ag éiridh 6.25. 11 Di-ciaduin. A Ghrian a’ laidhe 5.57. 12 Dior-daoin 13 Di-haoine. An cogadh Ruiseanach, 1854 14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad 15 DI-DONAICH. IV Di-donaich ’sa Charghus 16 Di-luain 17 Di-màirt. La Fheill Padruig 18 Di-ciaduin. Breth Ban-Phrionnsa Louise 1848. 19 Dior-daoin 20 Di-haoine. A cheud la dhe’n earrach. 21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801. 22 DI-DONAICH. V Di-donaich ’sa Charghus. 23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal dhe’n t-Solus, 7.43 mad. 24 Di-màirt 25 Di-ciaduin. La Fheill Muire. 26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 5.55. 27 Di-haoine. Bàs an VI Seumas, 1625. 28 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe, 6.18. 29 DI-DONAICH. Di-donaich nam Pailm 30 Di-luain. Ghlacadh Paris, 1813 31 Di-màirt. (29) a Ghealach làn, 1.08 md Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 286] [Vol. 4. No. 36. p. 6] Dubhradh na Greine ’s na Gealaiche. Cha chomas duinn ar n-inntinn a shuidheachadh air ni faicsinneach sam bith na ’s oirdheirce agus na ’s maisiche na air na soluis sin, a ta air an sgaoileadh a mach air feadh farsuingeachd do-rannsuchaidh na cruitheachd! An comas do ni air bith a bhi na ’s freagarraiche chum umhlachd a dhusgadh anns a’ chridhe, no chum an inntinn a dheachdadh le smuaintibh diadhaidh, na a bhi ’beachdachadh le curam air a ghrein, a’ ghealach, agus na reultaibh? Nach do-chur an ceill an aireamh? Nach do-thuigsinn an astar? Nach anabarrach am meud? Nach oirdheirc an soilleireachd? Nach iongantach an luathas leis am bheil iad a’ siubhal ’n an cuairtibh? Nach eagnuidh a ta iad air an cothromachadh ’n an slighibh fein, ás nach comas doibh claonadh leud na roinneig? Am measg nam buaidhean agus nan atharraichean a chithear air meallaibh soillseach nan speur, tha aon ann air nach tugadh fathast iomradh, agus is e sin an seol air am bheil iad, air amannaibh, air an comhdachadh le duibhre. Cha lionmhor iad nach do ghabh beachd air dubhradh na greine agus na gealaich’, trid an robh an dearrsadh re tamuill air a dhorchadh mar le sgaile doilleir. Air duinn uiread a labhairt cheana mu thimchioll na greine, na gealaich’, agus na talmhainn, tha sinn an duil a nis, gur soirbh an ni toirt air ar luchd-leughaidh a thuigsinn gu soilleir, ciod is aobhar do ’n dubhradh so a dh’ ainmich sinn. Feumar a chuimhneachadh, gidheadh, chum so a thuigsinn gu ceart, gur i a’ ghrian tha ’toirt soluis do’n ghealaich, ceart mar a ta i a’ toirt soluis do ’n talamh, agus do na reultaibh sin eile e tha ’g iadhadh mu ’n cuairt di fein. Is e is aobhar, uime sin, do dhubhradh a bhi air a’ ghealaich, gu’m bheil an talamh a’ dol direach eadar i agus a’ ghrian, air chor is nach comas do sholus na greine ruigheachd oirre. Agus air do ’n talamh a bhi na ’s mò ann am meud na ’ghealach, comhduichidh faileas na talmhainn barrachd na leud na gealaiche, agus air an aobhar sin, feudaidh e bhi gu’m mair an dubhradh oirre re uine fhada. Cha’n urrainn dubhradh teachd air a’ ghealaich ach an uair a bhios i lan, do bhrigh, aig am sam bith eile, nach ’eil an talamh direach eadar i agus a’ ghrian; agus cha’n ’eil an talamh mar sin anns a’ cheart shuidheachadh sin gach uair a ta ’ghealach lan, oir n’ am biodh, rachadh dubhradh fhaicinn air a’ ghealaich gach mios d’ an bhliadhna. Air uairibh cha tuit faileas na talmhainn ach air earrainn bheag d’ an ghealaich agus chithear an sin i mar gu’m biodh mir air a ghearradh aisde; ach ann am beagan uine theid an talamh á rathad soluis na greine, agus nochdaidh an sin a’ ghealach i fein lan, cruinn, agus dealrach, mar nach tachradh ni sam bith dhi. Ach air an laimh eile, tha dubhradh a’ teachd air a’ ghrein, an uair a theid a’ ghealach eadar i agus an talamh, agus mar sin a chumas i solus na greine uainn-ne. Cha ’n urrainn so tachairt ach aig caochladh na gealaiche, do brigh aig uair sam bith eile, nach comas di a bhi direach eadar a’ ghrian agus sinne. Tha e ’tachairt gu’m bheil a’ gealach, mar is trice, a’ siubhal ’n a cuairt an darna cuid beagan na ’s airde, no beagan na ’s isle na ’n talamh, oir mar biodh a’ chuis mar sin, bhiodh dubhradh gach mios air a’ ghealaich an uair a bhiodh i lan, agus dubhradh eile gach mios air a’ ghrein aig caochladh na gealaiche. Air do ’n ghealaich a bhi na’s lugha ann an leud na ’ghrian, cha chomas di, air uairibh, aghaidh na grein’ a chomhduchadh gu h-iomlan, agus air an aobhar sin, cha’n fhaicear de ’n ghrein ach fainne caol, dealrach, d’a h-oir a mach, nach urrainn a’ ghealach a chomhduchadh. Bha dubhradh mor air a’ ghrein air a’ chuigeamh la deug de cheud mhios an t-Samhradh, 1836; agus bha dubhradh eile oirre dhe ’n ghne cheudna, agus a chunnacas ’s an duthaich so, air a chuigeamh la deug de Mhart na bliadhna 1858: agus bha dubhradh iongantach mor oirre, a chomhduich ach beag a gnuis gu h-iomlan air an naodhamh la deug de cheud mhios an Fhogharaidh 1887. Tha dubhradh mar an ceudna, a’ teachd gu tric air gealaichibh Iupiter, agus Shatuirn, a ta ’n a fheum mor do ’n mharaiche, a chionn gur ann le àm dubraidh nan gealaichean sin tha e gu h-innleachdach a’ faotuinn a mach a shlighe fein air na cuantaibh fada agus farsuing. Tha e soilleir gur annabarrach a’ chinnteachd leis an d’ fhuair na reultairean a mach slighean agus cuairtean nan reult, na greine, na gealaich’, agus na talmhainn, do brigh gu ’n innis iad an la, an uair, agus a’ mhionaid anns an tachair dubhradh air bith, ma thogras iad, gu ceann mile bliadhna an deigh so. Gabhadh neach miosachan air son bliadhna sam bith, agus chi e an sin, air an ainmeachadh roimh laimh, gach dubhradh a thachaireas air a’ bhliadhna sin, agus mar an ceudna na h-aitean de ’n talamh anns am faicear iad. Is lionmhor beachd saobh-crabhach a ghabh na cinnich o shean air dubhradh na greine agus na gealaiche. Bha iad an duil gu ’n robh gach sealladh a chitheadh iad de ’n ghne so ’n a mhanadh air olc, agus ag eirigh o aimhreit eadar na diathan agus cumhachdan an dorchadais. Cha ’n fhaiceadh iad dubhradh air a’ ghrein, no air a’ ghealaich, ach an uair a bhiodh iad, ’n am barail fein, cinnteach gu’n tigeadh dosgainn eagalaich, eigin orra, agus gu ’m biodh iad air am fiosrachadh le gorta, phlaigh no cogadh! Anns a’ bhliadhna 431 m’ an d’ rugadh ar Slanuighear bha dubhradh iomlan air a’ ghrein, agus smuainich an sluagh gu’m b’e sin a b’ aobhar do ’n phlaigh sgriosaich a bha ’s an am sin ann am baile na h-Aithne! Tha treubhan am measg Innseanach na h-aird-an-ear, a tha a’ deanamh a mach gu’m bheil dubhradh na gealaiche air a thoirt mu ’n cuairt le nathair mhoir a ta a’ cur char di air aghaidh na gealaiche, agus tha an sagairtean a’ cur an ceill doibh gu ’m fuadaich iad-san na nathraichean air falbh, agus nach dean iad cron sam bith do chreutair air an talamh. Mar so, tha moran de ’n chinne-daonna air an dalladh le ’n aineolas fein, agus air an truailleadh leis an t-saobh-chrabhadh a’s miosa. Ach anns gach duthaich Chriosdaidh, tha eolas de gach gne air a chraobh-sgaoileadh am measg an t-sluaigh, agus tha gach fiosrachadh air ’fhaotuinn a mach mu ’n mhathair-aobhair o’m bheil caochlaidhean na greine agus na gealaiche, agus nithe eile, a’ teachd mu’n cuairt; air chor a’s nach aobhar eagail ni ’s mò na seallanna sin anns na speuraibh, a bha ’bualadh nan Cinneach o shean le h-uamhann co mor! Chriochnuich sinn a nis gach ni a chuir sinn romhainn a labhairt mu chruinn-mheallaibh soillseach nan speur, agus tha sinn an dochas gu ’m bi na’ sgriobhadh air na nithibh taitneach so, chum mor-bhuannachd do ’r luchd-leughaidh uile, agus gu ’n toir e orra a bhi deidheil air tuilleadh agus tuilleadh a rannsachadh a mach a [TD 287] [Vol. 4. No. 36. p. 7] thaobh uile reulta neimh. Tha fios againn nach soirbh an ni fiosrachadh de ’n ghne so a dheanamh soilleir agus so-thuigsinn dhoibhsan nach robh air an cleachdadh ri bhi ’gabhail beachd sam bith air gluasad sholus nan speur, agus air na riaghailtibh leis am bheil iad air an suidheachadh ’n an cuairtibh eugsamhla! Tha, gidheadh, dochas againn nach bi ar dichioll chum beagan eolais a thoirt mu na cuspairibh oirdheirc so gu h-iomlan diomhain; ach gu ’n duisg na nithe a labhradh a suas iarrtas agus togradh ann an inntinn mhoran. —SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal. An deigh do Uilleam Diùc Normandi na Sasunnaich a cheannsachadh chuir e-fein agus na h-uaislean aige dimeas air a’ Bheurla agus gach ni Sasunnach. Cha robh cànain sam bith air a teagasg ann an sgoilibh no Oil-Thaighean ach Fraingeis no Laidionn ré mòran lìnntinn an deigh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a Bheurla o na làithean ud. Cha robh i idir coltach ris a’ chànain a tha air a làbhairt ’s an latha an diugh, gu deireadh linn an treas Iomhair, Righ Shasuinn, agus air an aobhar sin, cha ’n eil seann leabhraichean-sgriobhte ri ’m faighinn anns a’ bheurla mar a gheibhtear anns a’ Ghàidhlig. Ghabhadh e leabhar math mòr gu làn iomradh a thoirt air na h-ainmean a mhàin, de na leabhraichean-sgriobhte Gàidhlig a tha ann an Leabhar-lann nam Fear-tagraidh an Dunéidin, agus ann an taighean nan uaislean feadh na h-Alba; gun a bhi ag ainmeachadh na tha ann an Oil-Thaigh Baile a’ Chliabh no ann an Taigh iongantais Lunnainn. T. Bha gille òg ag amharc air uinneag bùth-dhealbh ann am Baile-nan-Gall (an Alba) an latha roimhe. Thàinig fear a bhùth a mach, agus dealbh asail ’na làimh; nochd e so ris a ghille, agus thuirt e ris, “So do dhealbh a ghille!” “Cha-n e sin mo dhealbh idir” ars an gille agus e a’ tionndadh na deilbh agus a’ coimhead air a cùl. “Is e mo bheachd gur e do dhealbh féin a tha ann, oir tha d’ ainm agus ainm d’ àite-còmhnuidh sgriobhte air a’ cùl.” Tha againn da chluas ach gun ach aon teanga, uime sin bu choir dhuinn mòran a chluinntinn agus beagan a labhairt. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar Duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 288] [Vol. 4. No. 36. p. 8] AN TUIL. (Air a leantuinn.) Tha ’n t-òganach rìomhach, ’s an rìbhinn deas, ùr, Le ’n càirdean ’s le ’n dìlsean gu dìleas r’ an cùl, A’ nasgadh am pòsaidh le deòin an luchd-gaoil Tha aighear is sògh ann, tha sòlas is aoidh. Ach dhorchaich an latha, tha ’n t-athar fo ghruaim, Tha cuantan a’ béuchdaich, ’s gur deist’neach am fuaim; Tha ’n talamh a clisgeadh, ’s a’ briosgadh gu ’bhonn, Bhrùchd an cuan thar a’ chladaich le sadraich a thonn. Chaidh sgaoileadh gu h-obunn ’s a’ chomunn bha baoth; O ’s ìosal an cridhe ’bha mireag ri ’n taobh! Ri mionaid na h-uaire ghlac uamhunn is fiamh An saoghal, mo thruaigh a dh’ fhàs suarach mu Dhia. Tha ’n t-uisge a’ braonadh ’s a’ taomadh gun tàmh, Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, a’ sgaoil’ air gach làimh, ’Nuas broilleach gach aonaich is fraoch bheanna cas, Tha ’n dile a’ brùchdadh gu dùmhail ’s gu bras. Gur ùrla gach glinne, o fhireach nam beann, Tha ’n dìle air mhire, a’ sireadh gu teann; Tha caoidh’ran ’tha cràiteach gun tàmh a dol suas, Tha ’n saoghal ga bhàthadh, tha ’m bàs a’ toirt buaidh’. Tha ’m Bàs ann air mhire, a’ milleadh ’s a’ sgath, A sàthadh gun tioma ’s gach cridhe a ghath, Mar iolair an fhàsaich, le àbhachd gun truas Ag òl a seachd-sàth de bhlàth-fhuil nan uan. Tha ’n dìle a’ sgaoileadh gu h-aognuidh ’s gu bras: An dòchas nach faoin e gum faodar dol as! An òige ’s an aois tha ri saothair gun stà; A glacaibh an aoig ud cha saorar gu bràth. Nach cruaidh i, a’ ghàir ud, tha ’n dràst a’ dol suas, Am bas-bhualadh cràiteach ’measg gàrthaich nan stuadh! An glaodh is an sgairteachd ’tha sracadh nan niall, Gun dòchas gun fhiughair ri furtachd bho Dhia. “An cluinn thu sinn idir, am fidir air càs? ’N do dhiùlt thu gu tur sinn, ’n do liubhair gu bàs? A sruthaibh do chorruich an òl sinn gu sìor? Do bhagradh, mo thruaigh! ged bu chruaidh e gum b’ fhìor. “Gur ceart i, ar binne, O ’s cinnteach gu leòir; Air Dia rinn sinn dìmeas—an dìmeas bu mhò; D’ a thoil cha do strìochd sinn—mheas fhìrinn mar sgleò; B’ e ar Dia ar toil-inntinn—ar n-iodhal ro mhòr. “Tha ’m firean a chreid thu ’s a chuideachd maraon, A ghluais ann ad eagal, ’s a sheas air do thaobh, An tèarmunn na h-àirce, gun sgàth is gun fhiamh Roimh dhoinionn nan àrd-bheann is ardan nan sian.” Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, a’ sgaoileadh gu bras, Thar broilleach gach aonaich is faoin-bheannacas; Thar fireach gach monaidh is slinnean nam beann, Tha ’m bùrlam a’ dòrtadh, a’ dòrtadh na dheann. Tha na h-eòin bheaga bhòidheach, bu cheòlmhor ’s a’ choill, Gun iomradh air òran, fo dhòltrum is oillt; Tha ’n spionnadh ga ’m fàgail, cha dàn doibh bhith buan, Tha ’n nid bheag ’s an àlach a’ snàmh air a chuan. Tha ’n leòghann a b’ allaidh, is madadh-allaidh nan càrn, Tha sionnach an t-saobhaidh, is maoisleach a chàth’r, Tha damh a chinn chabraich is earbag nan tom, An comunn a chéile ’dol eug feadh nan tonn. O ’s cianail a’ ghàir ud, ’s gach àit’ agus taobh, ’S is cruaidh i an spáirn ud gu tàradh o’n aog; Tha gach ainmhidh fo èislean, gach creutair fo ghruaim, Tha ’n t-uisge ag éirigh, ag éirigh na chruaich. Tha ’n tréun a bha gaisgeil, tha ’n lag a bha caoin, Tha ’n t-òg a bha sgairteil, an glacaibh an aoig; Tha ’mhàthair ’s am macan a’ greasad gu teann, A’ streapadh ’s a’ dìreadh gu cìrein nam beann B’i iomairt a’ chruadail gun bhuaidh leatha bh’ ann; Tha ’n t-uisge a’ bualadh ri cruachan nam beann; Tha ’n tuil air iom-sgaoileadh air raon agus blàr, Thar àirde gach monaidh tha ’tonnan ’toirt bàrr. Tha ’n cath air dol seachad, an cath ud bu chruaidh, Is shìolaidh an éubhaich bu déist’neach car uair; An tuil bhuall a basan le aiteas is fonn, Ag éubhach buaidh-chaithrin, ’s an talamh fo ’bonn. Faic toradh a’ pheacaidh, ’s a’ bhreitheanais chruaidh; Faic caoimhneas is càirdeas an Ard-Righ d’ a shluagh; An ciontach tha bàite ’rinn tàir air a’ chòir. Am fìrean tha sábhailt ’thug gradh dhi le deòin. Is faic i an àirc’ air bharra nan sùgh, Gun chombaist, gun acair, gun acfhuinn, gun siùil, A’ gabhail a cùrsa fo stiuradh Mhic Dhé, ’Si torrach le dòchas an òg chruinne-ché. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean . C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 289] [Vol. 4. No. 37. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 21, 1896. No. 37. Litir a Priceville, FHIR-DEASACAIDH,—Bha fannad mor agam ri “Iain” ’nuair a leubh mi a litir an la roimhe. Carson a thuirt mi gu robh farmad agam ris? A chionn e bhi bruidhinn air iad a bhi treabhadh gu trang an sin air ceud mhios an earraich, ’nuair bha sinne an so ’g ar feannadh le fuachd, sneachda gu ’r cluasan, agus inneal innse na side cho iseal 30° fo Zero. ’Nam biodh “Iain” còir againn ann am Priceville a cheud sheachdain dhe ’n Mhàrt, cha bhiodh e gearan cho mòr air a bhlàths. Feumaidh nach cual iad iomradh air zero air a gheamhradh so an Alba. Mar a bha ’n seann duine a chuala mi ’g radh, “m’ eudal mo dhùthaich; cha robh zero idir innte.” Bha fuachd snabarrach mor againn an so bho ’n thainig Februaraidh a stigh, agus tha daoine gabhail fadail nach eil am blàths a tighinn, ach an ti a dh’ fheitheas gu foighidneach gheobh e furtachd. Tha bradh cruidh fuasach gann. Tha mòran ’gam biathadh le gràn, agus cha mhair na h-aca gle fhada. Thainig isleachadh beag air an t-sneachda o chionn seachdain, ach tha gu leòr agus r’a sheachnadh againn dheth fhathast. Bha mi gle thoilichte fhaicinn anns a MHAC-TALLA cho lionmhor ’sa bha Clann-Domhnuill ann an Siorramachd Cheap Breatunn. Tha roinn mhor dhiubh anns an aite so mar an ceudna. Ach tha mi duilich gu feum mi innse air an turus so gu’n deach an aireamh aon na bu lugha na bha e. Air a cheathramh latha fichead de Februaraidh, chaochail Seumas Domhnullach (mac Dhomhnuill Ruaidh) aig aois ceithir fichead bliadhna ’sa còig. Rugadh e ’san Eilean Mhuileach ’sa bhliadhna 1811. Thainig e do Chanada ’s a bhliadhna 1851, agus shuidhich e an ath bhliadhna an Gleann-eilg, far an robh e air an aon àite gu àm a bhàis. B’ fhior Ghàidheal a bh’ann; ’s e nach cluinneadh duine cur sios air a Ghàilig gun a chronachadh. Bha e faotainn a Mhic-Talla fhad ’sa b’ urrainn da feum a dheanamh dheth. Bha e na éildear ’san Eaglais Chléireach còrr us deich bliadhna fichead. Bha taobh mor aige ri Eaglais na h-Alba, ged chaidh an t-aonadh a dheanamh an so o chionn ochd bliadhna deug. Cha robh duine cloinne aige. Dh’ fhag e a bhean ’na h-aonar. Cha bhi ’n ùine fada gus an lean i e. Cha mhor a tha ri fhaotainn a nise de na seann daoine. Tha iad, cha mhòr uile, air a dhol dhachaidh. Chaochail gille òg leis a chaitheamh o chionn ghoirid, mac do Eoghain Mac-a-Phearsain, a thainig a nios a Gleann-Garaidh o chionn fichead bliadhna. Chaidh a thiodhlacadh Dior-daoin s’a chaidh. Bha coinneamh mhor am baile Durham Di-sathairne s’a chaidh. Bha daoine mora as a phàrlamaid ann a liubhairt òraidean ’sa cur an céill am beachdan féin air cùisean-riaghlaidh Chanada. Bha ’n Gàidheal mor Dunnacha C. Friseal, agus feadhainn eile ann as leth Dr. Landerkin, a tha ’na fhear-pàrlamaid air son taobh deas siorramachd Ghrey. Tha triùir a ruith air son na siorramachd so, Dr. Landerkin, Liberal, Dr. Jamieson, Conservative, agus Uilleam Allan, Patron. Tha Landerkin a stigh o chionn tri bliadhna fichead, agus ’se mo dhochas fhein gu ’m bi e stigh còig bliadhna eile, oir is seirbhiseach dìleas e. IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Mart 7, ’96. Bha cath mor anns a’ pharlamaid mu ’n Remedial Bill air an t-seachdain so. Bha an tigh na shuidhe bho fheasgar Di-ciaduin gu maduinn Di-haoine, ’s na fir a gabhail dha chéile cruaidh ’sa b’ urrainn daibh. Mu leth-uair an déigh sia ’sa mhaduinn Di-haoine chaidh an tigh a roinn, agus fhuaireadh gu robh iadsan a bha ’g aontachadh leis an Riaghladh anns a chùis ochd duine deug na bu treasa na iadsan a bha ’nan aghaidh. Tha Riaghladh Bhreatuinn a cur rompa feachd a chur do’n t-Soudan an aghaidh nan Arabaeh. Tha na h-Eadailtich o chionn treis a dh’ ùine a’ gabhail seilbh air roinn mhòr de’n dùthaich sin, a tha deas air an Eipheit, ach air an earrach so dh’ éirich na h-Arabaich ’nan aghaidh agus chuir iad an ruaig orra ann am blàr no dha. Tha Morair Salisbury uime sin a dol a chur feachd an aghaidh nan Arabach, air eagal ma gheobh iad an làmh an uachdar air na h-Eadailtich gu ’n tòisich iad ri busteadh a stigh air criochan na h-Eipheit. Ach tha mòran anns an Roinn Eòrpa agus gu h-àraid anns an Fhraing, a tha dhe ’n bharail gu bheil barrachd us sin aig Salisbury ’san amharc. Tha fearann aig an Fhraing anns an dùthaich sin cuide ri càch, agus ’se tha iad so ag radh gu bheil eagal air Salisbury gu bheil i dol a dheanamh greim air tuilleadh, agus gu bheil e uime sin, a’ cur shaighdearan dh’ an dùthaich a chumas na Frangaich cha math ris na h-Arabaich air an criochan féin. Co dhiu tha bharail sin ceart no nach eil, tha gu leòr ann aig a bheil i, agus a tha faicinn anns an ni so an t-sradag ma dh’ fhaoidte a lasas an cogadh mor air son am bheil an Roinn-Eòrpa air fad ag ullachadh o chionn iomadh bliadhna. ’S ann gle ainneamh anns na bliadhnaichean so a chuireas duine gnothnichean air dòigh mu thòrradh féin mu’n coachail e, mar a rinn fear Seumas Kenyon a chaochail ann a’ Halifax ’sa ’mhaduinn Di-màirt s’a chaidh. Bha tinneas amhaich air a bha fhios aige ’bheireadh a bhàs an ceann ùine ghoirid, agus Di-luain chuir e fios air fear-adhlacaidh, ris air d’rinn e còrdadh a thaobh a thiodhlacaidh. Chaidh air tiodhlacadh a dheanamh direach a aéia a chòrdaidh sin. [TD 290] [Vol. 4. No. 37. p. 2] COMHRADH. EADAR MURCHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. M.—Am bheil thu an sin, Isiobail, c’àit am bheil do mhàthair? Tha dùil agam gu bheil sibh gu leir bodhar. Tha neach-eigin a’ bualadh aig an dorus,—grad-fhosglaibh e, oir cha’n eil mo bhrògan ormsa. Thugadh an dealan bhàrr an dorais, agus ann am priobadh na sùla, sheas duine mòr, sgairteal am meadhon an ùrlair, ach cha ’n fhacas air ball cò b’e, do bhrìgh nach do lasadh an lochran. Ach ann am mionaid, chualas guth aithnichte ag ràdh,— C.—Am bheil sibh uile slàn, fallain, ’s an fhàrdaich so? M.—Fear a’ Ghoirtein-Fhraoich! Am bheil mo shùilean ’g am mhealladh,—am bheil iad ag innseadh na firinn? An tu a th’ ann d’a rireadh, a charaid mo ghràidh? Fair do làimh;—fair do dhà làimh, an creid thu mi an uair a deiream gu’m bheil mi na ’s toilichte d’ fhaicinn an sin na fichead Frangach? Ochan! Is tu a tha bog, fliuch, sgìth, acrach, ach tha leigheas ann air na nithibh sin. Thig an nuas, a bhean-an-taighe, agus faic ciod a tha ad chomas a dheanamh ri d’ charaid, oir tha feum mòr aige air deagh ghiullachd aig a’ cheart uair so; oir is taitneach an sean-fhocal a deir, “ruigidh ro ghiullachd air an ro ghalair,” agus is maith gun ruig. Ach O! mo dhi-chuimhne! ciamar a dh’fhàg thu mo bhan-ghoistidh rùnach,—Seònaid? C.—Cha’n fhaca mi bho cheann dheich la i, ach an uair a dh’fhalbh mi o’n taigh, bha i féin agus an òigridh gu gléusta. M.—O cheann dheich la! Mo chreach, ciod a dh’éirich dhuit, agus c’àit an robh thu, a Choinnich? Ach is luaithe deoch na sgéul,—a bhean-an-taighe, am bheil thu a’ foighneachd am bheil beul air do charaid ionmhuinn. Thoir a nuas am botull dubh ’s an t-slige chreachainn, agus cuir car eallamh dhiot. C.—Cha ’n eil aobhar sam bith air a bhi mar sin a’ cur an taighe bun os ceann, bithidh mi trath na’s leoir, oir cha’n eil aon chuid fuachd no acras orm, gu dearbh cha ’n eil. M.—So, so, dlùthaich ris a’ ghealbhonn oir is minig a chunnaig sinn ni ’s brisge, sgairteil e. Thig an so leis a’ bhalg-sheid, Isiobail,—suidh a stigh a’ Choinnich gus am faigh bean-an-tighe atharrachadh eudaich, agus cas-bheart dhuit, agus gach goireas eile a chumas a fuachd a mach. C—Cha ruig bean-an-tighe leas trioblaid a chur oirre fein, oir tha mi o bhàrr gu bonn co tioram ri arcan ach mo chasan a mhàin, agus cha ’n eagal daibh car tacain,—ach ciod an ùrachd a gheibhear agad, a Mhurachaidh, agus cia mar tha cùisean a’ dol air an aghaidh anns na cearnaibh so? M.—Ma ta, a Choinnich, (dlùthaich ris an teine) cha ’n eil naigheachdan idir ’s na criochaibh so, ach gu’m bheil Fear Bhaile-Chreagain ’na sgealbaibh, mar a chuall thu, a’ reir coltais a cheana, agus bheir e creach agus sgrios air moran eile. Bhris e ann an da mhile dheug, agus tha e air aithris gur e leth-chrun as a’ phùnnd Shasunnach tha e a’ tairgseadh. C.—Tha mi an dochas a Mhurachaidh, nach eil gnothuch agad ris, agus nach tig e chum calldachd sam bith dhuitsa, no do d’ theaghlach. M.—Tha aobhar taingeileachd agam nach eil aon sgillinn ruadh agam air no aige san orm. Na ’n tachradh so aig an àm so an uiridh, bhiodh mo chall mor, oir tha cuimhn’ agad gun do reic mi na muilt ris, còrr is tri cheud dhiubh, ach gu fortanach, dh’ ioc e gach peighinn d’ an luach dhomh, agus ’s an àm, cha robh mi ’g a iarraidh, agus cha robh dùil agam ris. C.—Tha mi anabarrach toilichte da rireadh, ach cha b’ urrainn gnothuichean Fhir-Bhaile-Chreagain idir seasamh a thaobh na doigh air an robh e’ dol air aghaidh. Cha robh là nach robh cuideachd agus gleadhraich maille ris,—eich agus carabaid,—agus coigrich a’ dol agus a’ tighinn, an tigh aige an còmhnuidh làn,—an teaghlach aige gach là, gu sgiamhach air an éideadh,—agus cosguis do ghnàth an lorg ’n an nithe sin, nach b’ urrainn Baile-Chreagain a chumail suas, ged a bhiodh e tri uairean saor aige, gu’n ghuth air màl tròm gach bliadhna. M.—Tha thu ceart, a Choinnich, agus ’s ann an diugh tha taing Bhaile-Chreagain aige ’n a dhòrn, agus faiceadh e ciod a ni a chòisridh a bha ’g a thaoghal air a shon a nis, an uair a tha a cheann fo’n uisge. Ni iad gàire fanoid ris, agus their iad nach robh ann ach amadan bochd air son a shaoithreach, agus an diugh cha’n aithnich iad an duine truagh air an rathad mhor. C.—Is cianail r’a smuaineachadh, a Mhurachaidh, mar a ta an saoghal a’ dol bun os ceann. Is tearc duine r’a fhaotainn an diugh anns am feudar dochas a chur. Ri linn nan seanar againn, bha dilseachd, onoir, agus treibh-dhireas, gu coitchionn am measg an t-sluaigh, agus ged a bha iad aineolach ann an seadh, agus ged bha tuasaidean, cogaidhnean, agus còmhstrith am measg nam fineachan, gidheadh bha ionracas, tairiseachd, agus onoir ’n am measg nach fhaicear an diugh dh’ aindeoin gach eòlais a ta ’g a chraobh-sgaoileadh, agus gach strith a ta ’g a deanamh am measg eaglaisean, mhinisteirean, agus luchd-teagaisg dheth gach gnè. Mar is mò a ta eòlas air a chraobh-sgaoileadh tha, gu’n teagamh, neo-dhilseachd a’ dol am farsuingeachd. Cha robh feum o shean air onoir is ionracas a bhi air an co-dhaingneachadh air dubh ’s air geal, mar a ta ’chuis an diugh, oir bha iad, an uair sin, air an sgriobhadh air a’ chridhe, ach a nis cha ghléidh cuibhrichean agug cùmhnantan an luchd-lagha muinntir air an t-slighe cheart, oir a dh’ aindeoin nan nithe sin, leumaidh a’ bheist a’s mò air muin na béist a’s lugha, agus tha gach ni ceart agus cogaiseach na’s leòir, ma theid aige air a chasan a thoirt as. Ochan! a charaid, “is cliuitiche an onoir na’n t-òr,” ach an diugh is measaile gu mòr an t-òr no gach subhailc, ceartas, tréibhdhireas, agus onoir ’s an t-saoghal air fad. M.—Is maith a thubhairt thu, a Choinnich, oir is minic a chuala sinn an sean-fhocal a deir, “Nach fhuiling an onoir clùd,” agus is ro cheart e, oir far am bheil fìor onoir, cha’n iarr i bhi air a cluthachadh, agus air a còmhdachadh le sgàilibh suarach o’n taobh a mach, oir seasaidh i gu daingean ’n a h-òirdheirceas fein. Ach an déigh a’ chòmhraidh so, a dhùisgeadh le fàilneachadh tàmailteach Fhir Bhaile-Chreagain, innis domh, a Choinnich, d’ ùrsgeul fein, agus ciod a’s aobhar do’n toilinntinn a thug thu dhuinn an nochd le d’ làthaireachd an so, oir tha e cìnnteach nach d’ ràinig thu sinn air anmoch Disathurna, an déigh a bhi deich làithean o d’ dhachaidh fein, gu’n aobhar ro àraidh a bhi air a shon. C.—Tha sin gle chinnteach, a charaid ionmhuinn, ach tha mo sgéul goirid, oir tha mi air an t-slighe dhachaidh á baile mòr Dhunédin, agus cha bheag an naigheachd [TD 291] [Vol. 4. No. 37. p. 3] sin. M.—Baile Dhunédin! far nach robh thu riamh roimhe, agus dh’ ionnsuidh nach deachaidh tu gun aobhar ro chudthromach. Ciod a thug an car sin thu, a Choinnich? An robh thu an lorg Shir Séumas, mar a bha thu an uair a thug e fein agus thu fein Eirinn oirbh a’ bhliadhna roimhe, agus an uair a chunnaic thu iomadh neach agus ni a chuir iongantas nach bu bheag ort? C.—Ma ta, a Mhurachaidh, cha robh Sir Seumas maille rium, ach is esan bu choireach air mise a bhi ann. An cual thu idir gu’m bheil e fein agus an Sasunnach sin a cheannaich oighreachd Choire-na-coille aig lagh mu chriochaibh nan oighreachd aca? Tha guiseid bheag de fhearainn creagach ’n a laidhe eadar Creag-Ghorrain agus Stachd-na-Iularach nach fhiach sgillinn-Shasunnach mhàil ’s a’ bhliadhna eadar dithis bhràthair, agus tha Sir Seumas a’ deanamh mach gur leis-san e, agus tha uachdaran Choire-na-coille ceart co dian a’ deanamh mach gu ’m buin e dhàsan. Mar sin, chuir na fir a mach air a chéile agus o chùirt gu cùirt air beulaobh an t-siorraim, thogadh a’ chùis ma dheireadh gu Dunedin. Shumanadh cha’n e mhàin mise; ach mar an ceudna sia duine deug eile dh’ ionnsuidh a’ bhaile mhòir sin a thogail fianuis mu’n chùis, agus tha’n gnothuch fathast co sgaoilte ’s a bha e riamh. Cha d’ thugadh breith no binn a mach gus an ruigeadh luchd-tomhais à Dunèdin dh’ ionnsuidh an àite chum na criochan fhaicinn, agus am barail fein a thoirt orra, Cosdaidh an crioman suarach sin na miltean air gach taobh. Is taitneach an gnothuch e air son an luchd-lagha, agus ma theid acasan air, cha leig iad gu h-ealamh as an liontaibh e. Ach ’s e sin a dh’ iocas na h-uachdarain àrdanach sin air son an uaill agus am morachd-inntinn. Eadar sinn fein, tha eagal orm gu’n creach e Sir Séumas bochd, ach air son an t-Sasunnaich, tha mi comadh co dhiù, do bhrigh gur e a thòisich air a ghnothuch. M.—Chual mi gu’n robh aimhreit eatorra, ach cha robh dùil agam gu’n ruigeadh e an aìrde sin. Ach cò a thugadh maille riut do’n bhaile mhòr? C.—Cò, ach na daoine a’s sine ’s an àite,—cuid dhiubh thairis air ceithir fichead, mar a ta seann Domhnull Mac Uilleim Mhic Alasdair, Murachadh Mòr Mac Ghilleaspuig Mhic Shéumais, Alasdair Mac Aonghais Mhic Dhòmhnuill Mhic Mhurachaidh, agus na h-uiread eile. Thugadh air cùirn iad gus d’ ràinig iad Loch-nan-ealadh, agus an sin, fhuair iad air toitich gu Glascho, agus á sin, air an rathad-iaruinn do Dhùnedin; agus Ochan! b’e ’n t-each-iaruinn an t-ioghnadh do na bodaich bhochda. Cha bhiodh iad sgìth ag amharc air, agus ag eisdeachd ris a sitrich agus a’ seideadh! Thàinig mise dhachaidh rathad Pheairt, Dhùn-chaillin, agus Bhaile-chloichridh, agus á sin air an rathad-iaruinn Ghaidhealach gu Inbherneis, agus á sin gu so. Dh’ fhan mi tri làithean ann an Laganràit, agus air an t-Sàbaid a dh’ fhalbh chual mi searmoin ro dhrùighteach, bhlasda o’n Urramach Seumas Friseil ’s an eaglais-sgireachd, far an deachaidh mi maille ri nighean bràthair m’ athar air an robh mi ag amharc, air di a bhi pùsda ’s an àite sin. M.—’S eadh, ceamar a chòrd Dunedin riut, a Choinnich, agus ciod a chunnaic thu ann? C.—Am baile a’s maisiche air an do thilg mi sùil riamh; ach mo leòn, bha mì là an déigh là air mo dhruideadh suas ann an Tigh-na-cùirte, agus cha’n fhac mi idir uiread dhe’n bhaile ’s bu mhaith leam. M.—An deachaidh do cheasnachadh gu cruaidh, a Choinnich, agus ciamar a chaidh agad air a’ Bheurla? C.—A Bheurla! Beurla na dunaich, dh’ fhéuch iad ris gach innleachd chum mo cheasnachadh ’s a chanain leibidich sin, ach thug mi an aire orra. Thachair gu’n cual iad mi a’ labhairt lide air chor-eigin di, agus ghlaodh bodach mòr, dearg a bha ’n a shuidhe gu h-àrd rium, agus thubhairt e “Come on, now, Kenneth, come on, you have very good English.” agus ghrad-fhreagair mise, agus thubhairt mi “No, no, not a vord English, my lord”—agus air ball rinn a’ chuirt uile glag mor gàire rium; ach comadh co dhiubh, cha striochdainn-sa, no mac màthar as an àite gu bhi air ar ceasnachadh ’s a Bheurla: uime sin, ghairmeadh a stigh duin’-uasal cosmhuil ri mìnistear a bha ’g eadar-theangachadh gach freagraidh a bheireamaid seachad, agus rinn e ghnothuch fein glé fhirinneach gu’n teagamh. M.—Direach glan, a Choinnich, ach ciamar bha fios agadsa co dhiùbh a dh’ eadar-theangaich e gu ceart no gu dochaireach, agus gun lide Beurla na’m b’ fhior thu fein, ’n ad cheann? C. Duin do bheul, a Mhurachaidh, ciod ged a dheanainn mabalaich a labhairt ’s a’ Bhéurla riutsa, an saoil thu gu’m biodh a dhànadas agam mo ghob fhosgladh an sud? Ochan! cha deanainn idir e. M.—Ciod, ma ta, a chunnaic thu a’ dol air aghaidh mu’n cuairt duit ’s a’ chùirt, oir bha gach ni eu-cosmhuil ri cùirt an t-siorraim aig a’ bhaile? C.—Eu-cosmhuil; Bu mhior-bhuileach an sealladh na breitheamhna fein! Bha triùir bhodach ’n an suidhe gu h-àrd an sud, le cleocaibh dearga, le guailleachain gheala, agus le gruagan caiseanach, glasa air an cinn, ceart co greannach ris na cearcaibh Frangach. Bha iad sin a’ gabhail a’ ghothuich gle shocaireach. Ach gu h-iosal air am beulaobh bha fir ealanta le cleòcaibh dubha, agus le gruagaibh dhe ’n aon ghnè riu-san a dh’ ainmich mi, a’ tagradh gu cruaidh, agus an impis aon a cheile a bhualaidh, ach cha d’ rinn iad e. Mar sin, bha iad a’ deasboireachd, ’s a’ sabaid le’n teangannaibh o mhoch gu dubh. Ach, a Mhurachaidh, thachair ni ro iongantach orm ann an àit’ eile dhe’n tigh. Goirid o sheomair na cùirte, bha talla mòr, ard, fad, farsuing, làn dhorsan agus dhealbh, agus iomhaighean dhaoine urramach snaighte as a’ chloich chruaidh, an sud ’s an so. Bha na ficheadan a’ siubhal air an ais, agus air an aghaidh,—luchd-lagha le’m piorbhuicibh bachlagach ann an gairdeanaibh a’ chéile, a’ cas-labhairt, agus a gleadhraich ’n an gluasad o cheann gu ceann dhe’n talla. Cha chluinnteadh ach fuaim agus srann-chronan mar sgeap-sheillein ceithir-thimchioll gu leòir chum claisneachd neach a mhilleadh. Ach co a sheas romham fein ach òg uasal ceanalta, agus air da a làmh a chur air mo ghualainn, thubhairt e,—Cia mar a tha thu, a Choinnich, agus ciod i do naigheachd as a’ Ghoirtean-Fhraoich? Spleuch mi ’s an aghaidh air le h-iongantas an toiseach, ach air ball thubhaiat mi, A dhuin’-uasail cheanalta, tha barrachd eolais agad orm, agus cha’n fhios domh idir cò a tha ’labhairt rium. Cha’n eil sin gu cron sam bith, a Choinnich, is caraid e, caraid nan Gaidheal gu sònraichte, agus caraid na Gaelic mar an ceudna. Is glan a thug thu d’ fhianuis an diugh, a Choinnich, tha deagh Ghàelic agad, [TD 292] [Vol. 4. No. 37. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 21, 1896. Cha ’n eil na Turcaich uile gu léir nam murtairean ’s nan daoine fuilteach an-iochdmhor. Ann an Armenia o chionn ghoirid dh’ fhuiling moran dhiubh am bàs a dion nan Criosduidhean o na saighdearan, agus chuir moran dhiubh am beatha ann an cunnart. ’S olc an duthaich anns nach faighear daoine treuna, cearta, aig am bheil cogais, agus aig am bi truas riuthasan a tha fulang gu h-eucorach. Mu’n d’ fhuair Breatuinn còir air na h-Innsean, thatar a’ deanamh a mach gu robh muillean corp ’sa bhliadhna air a ghiulan do’n chuan leis an amhuinn Ganges. Bha ’n amhuinn mhor sin air a meas naomha leis na Hinduaich; bi ’m barail nach b’ urrainn do neach bas a b’ fhearr fhaotainn na bhi air a bhathadh innte, agus bha gach Hinduach cràbhach, aig an robh an comas, air a ghiùlan gu ’bruachan na shean aois, air son bàs fhaotainn na h-uisgeachan. DUIN’ OG.—“Is teaghlach buan a bh’ aig ’ur n-athair,” arsa duin-uasal ri bean bhochd a bha thairis air ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, agus a thuirt ris gu robh bràthair agus piuthar dhith beò a bha àireamh bhliadhnaichean na bu shine na i. “’Se,” ars ise, “teaghlach gle bhuan a bh’ annainn. Bha ochdnar dhinn ann air fad, agus cha do chaochail gin gle òg ach Seumas.” “Agus dé ’n aois a ràinig esan?” ars an duin’-uasal. “Cha robh Seumas,” ars a bhean, “ach tri fichead ’sa deich ’n uair a chaochail e.” ANN AN COREA.—Ann an Séouil, ceanna-bhaile Chorea, feumaidh gach firioanach an tigh a thoirt air aig dol fodha na gréine. Cho luath ’sa theid a ghrian fodha, tha clag mor air a bhualadh, agus duine sam bith a gheobhar air an t-sraid an deigh sin, theid a sgiùrsadh air son bristeadh air an lagh; ach faodaidh na boirionnaich a dhol a mach ’sa stigh mar a thogras iad, agus bidh iad a deanamh sin. Cha’n eil sloinneadh aig boirionnach gus an deigh dhi pòsadh, agus ma ni i dad sam bith as an rathad an deigh sin, ’se a fear-pòsda theid a pheanaisteachadh. Tha h-uile greim bidh a tha Sultan na Tuirce ag ithe air a dheasachadh le aon duine, agus a luchd-cuideachaidh, agus cha ’n fhaod duine sam bith eile lamh a chur air. Tha ’m biadh air a bhruich ann an soithichean airgeid, agus ’n uair a bhios e bruich, tha an soitheach air a sheulachadh. Tha ’n seula air a bhristeadh le aon de dh’ àrd-uaislean an t-Sultain ’na làthair féin, agus tha aige ri làn spàine itheadh as gach soitheach a thig dh’ ionnsuidh a bhùird. Tha so uile air a dheanamh air eagal gu’n toirear ionnsuidh air an t-Sultain a phuinnseanachadh. ANNS AN OLLAINT,—Air la-na-Sàbaid, tha chuid a’s mò dhe ’n t-sluagh a cosg bhrogan leathrach, ach air an t-seachdain, ’s iad na brogan fiodha a’s fhearr a fhreagras orra. Tha na Dùitsich cliùiteach air son an glainead. Tha iad o mhoch gu dubh, a sguabadh ’sa sgùradh ’sa glanadh. Ach air Di-Sathairne tha latha mor glanaidh aca. Tha gach seomar agus cuil a’s tigh air a sgùradh, agus gainmheach ghlan air a crathadh air an ùrlar; tha na h-uinneagan, na dorsan, agus gach ni fo dhruim an taighe, na gillean beaga ’s na h-igheanan còmhla ris gach ni eile, air an nighe gu math. Tha uisge air a dhortadh air na starsaichean ’s air na cabhsairean mu choinneamh an taighe. Tha na claisean-uisge a cur thar am bruachan. Saoilidh duine le sealltuinn troimh ’n bhaile gu bheil e air sgur a shileadh an deigh uisge trom a bhi ann. Ma theid thu mach air cùl nan taighean, chi thu gu bheil na taighean bainne ’s na bàthaichean air an glanadh cuideachd. Tha mnathan ’us nigheanan òga ag obair gu trang a’ sgùradh ’sa nighe gach poit us coire, gach measair us cuach a tha ri fhaotainn. ’N an rachadh duine mach le brògan leathrach air latha dhe ’n t-seòrs’ ud, bhiodh a chasan bog fliuch an ùine gle ghoirid, agus thigeadh e gu bhi dhe ’n bharail gur iad na brògan fiodha, ged is trom, luideach iad, an caiseart a’s fhearr a chosg ann an dùthaich anns am bheil an sluagh a’ cur seachad roinn mhor de ’m beatha a’ nighe ’s a sgùradh. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 293] [Vol. 4. No. 37. p. 5] NAIDHEACHDAN. Dh’ fhalbh ceud gu leth teaghlach á Ontario dh’ an Iar-Thuath Di-màirt s’a chaidh. Tha iad a’ dol a thogail fearainn anns an dùthaich ùr. Tha ospadal ùr ri bhi air a chur suas ann am New Glasgow. Tha e dol chosg mu chòig mile fichead dolair, agus bi’dh e air ainmeachadh air Morair Obaraiddhean. Chaidh duine do’n ainm Holder a mhuinntir Montreal fhaotainn ciontach an la roimhe air son losgadh air fear eile gus a mharbhadh, agus fhuair e ceithir bliadhn’ deug dhe’n tigh-obrach. Chaidh soitheach Breatunnach a smùideadh as a cheile air cladach an iar Africa, agus chaidh còig duine fichead dhe na bha air bòrd a mharbhadh. Bha da thunna dheug de dh’ fhùdar air bòrd agus chaidh e ’na theine. Ann an Charlottetown, tha ochd duine deug anns a phriosan air son a bhi reic deoch-làidir gu mi-laghail. Cha’n eil còir aig duine air a reic anns a’ bhaile, agus tha ’n riaghladh sùidhichte air iadsan a reiceas i, a pheanaisteachadh. Fhuaireadh corp duine air drochaid a tha air fear de na rathaidean-iaruinn ann an Ontario ’sa mhaduinn an la roimhe. Cha’n eil teagamh nach b’e na carbadan a mharbh e. Bha e mu thrì fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois: cha d’ fhuaireadh a mach fhathast ciod a b’ ainm dha. Tha Sasunnach do’n ainm Caiptean Wiggins e’ dol a dh’ uidheamachadh sgioba air son a dhol a dh’ iarraidh Nansen. Bha ceann a tuath an t-saoghail air chall air daoine riamh roimhe so. Tha e nise ’san ainm gu’n d’ fhuair Nansen e, ach ma fhuair tha e coltach gu bheil iad air chall le chéile. Tha an latha a nise na’s fhaide na ’n oidhche. Thainig a ghrian seachad air a chaich an dé; dh’ éirich i aig seachd mionaidean an deigh a sia ’sa mhaduinn, agus chaidh i fodha aig ochd mionaidean an deigh a sia feasgar. Bha an latha mar sin da mhionaid na b’ fhaide na ’n oìdhche. Fhuaireadh boirionnach marbh ’na leabaidh ann an Avonport, N. S., ’sa mhaduinn an la roimhe. Bha i air torradh a màthar an latha roimhe sin, agus ’nuair a chaidh i a chadal, bha i ’na slàint àbhaistich. Chaidil piuthar dhi còmhla rithe, agus cha d’ fhuair i mach gu’n do chaochail i gus ’n do dhùisg i ’sa mhaduinn. Chaochail an t-Urr. Iain Dunhnullach, ann an Ceann-Loch, an Leodhas, air a cheathramh latha deug dhe’n mhios a chaidh seachad. Bha e àireamh bhliadhnaichean ’na mhinisteir ann an sgireachd Dhundee, an Eilean a’ Phrionnsa, agus an deigh sin ann an Cow Bay, ’s an eilean so. Dh’ fhàg e an co-thional sin ’sa bhliadhna 1884, agus bha e air a shuidheachadh aig Ceann-Loch air an ath bhliadhna, far an robh e gu àm a bhàis. Tha moran anns an eilean so, agus an Eilean a’ Phrionnsa a bha gle eòlach, agus bidh iad duilich sgeul a bhàis fhaotainn. Ghoid duin’ òg do’n ainm Granville Roger ann am Boston, àireamh de dhaoimanan luachmhor air bràthair-athar dha, agus theìch e gu Halifax. Rugadh air anns a bhaile sin agus thugadh air ais dhachaidh e far ’n do sheas e cùirt Di-luain ’sa chaidh. Dh’ aidich e a chionta; bha a bhinn ri bhi air a toirt a mach air an dé. Tha sinn an comain na feadhnach a chuir a stigh pàigheadh a phaipeir air an t-seachdain so, agus tha sinn an dòchas gu bheil moran eile a tighinn air an sàiltibh. Tha àireamhan de’n Choisir-Chiùil againn fhathast, a feitheamh orra-san a choisneas iad. Ma choisinn duine sam bith iad nach d’ fhuair iad fhathast cuireadh e fios ugainn. Tha ceannairc air bristeadh a mach ann an “Armailt na Slàinte” anns na Stáitean. Bha roimhe so mac do Sheanalair Booth, Ballington Booth, ’na cheannard air an Armailt anns na Stàitean; ach o chionn ghoirid dhiùlt e bhi umhail do òrduighean ’athar, agus chaidh a chur as ’àite. Tha e dol a chur air chois Armailt ùr dha féin, do’ n tug e ’n t-ainm “Armailt Dhé.” Thainig duin’ òg a mhuinntir Chuibeic ri bheatha ann am Piermont, N. H., ’sa mhaduinn Di-ciaduinn. Bha e air a bhualadh le tinneas ’se ag obair anns a bhaile sin, tinneas a chuir as a’ rian e. Chaidh an té a bha toirt aire dha a mach a dh’ iarraidh deoch dha, agus ’nuair a bha i air falbh, chuir e crioch air fhéin le peilear. Cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Tha moran de bhailtean anns na Stàitean an deigh riaghailt a dheanamh, a toirmeasg do chlann a tha fo aois chòig bliadhn’ deug a bhi mach air na sràidean an deigh ochd no naodh uairean ’san oidhche. Tha moran an aghaidh na riaghailt sin, ach cha’n eil teagamh nach bi i feumail ann a bhi cumail na cloinne o bhi ’g ionnsachadh gach olc a chi ’sa chluinneas iad air sràidean nam bailtean mòra. Mharbh Seumas Gillios, aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, nathair mhor dhubh a sheachdain gus an de. Bha i ’ga grianadh fhéin ri taobh fuarain dh’ ionnsaidh an deachaidh Mr. Gillios a thoirt deoch dha each. ’S ann glé ainneamh a nochdas na nathraichean iad féin cho trath so ’san earrach, agus tha na h-Innseanaich ag radh gur a fior chomharradh e gu bheil samhradh tràth gu bhi ann. Tha trioblaid aig na Joggins Mines a rithist. Tha àireamh mhor de na mèinneadairean gun obair o chionn treis a dh’ ùine, agus ’sa mhaduinn an la roimhe ’nuair a bha aon sgioba dhiubh, a fhuair òrdugh a dhol a dh’ obair, a dol a mach, dh’ éirich càch orra le maidean ’s le clachaan, agus ghoirtich iad moran dhiubh. Dhùin iad iad féin an sin a stigh ann an talla, agus thug iad dùbhlan do na maoir a chuireadh g’ an glacadh. Bha iad mar sin fad dha no tri lathaichean, ach an sgeul mu dheireadh a thainig bha choltas air gu robh iad gu striochdadh, ’s gu’m biodh gach ni cho sitheil ’sa b àbhaist da an ceann latha no dha. AM MART, 1896. 1 DI-DONAICH. II Di-donaich ’sa Charghus 2 Di-luain. Breith Pap Leo XIII, 1810 3 Di-màirt 4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36. 5 Dior-daoin. A Ghrian a’ laidhe 5.49. 6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 7.15, mad. 7 Di-sathairne 8 DI-DONAICH. III Di-donaich ’sa Charghus 9 Di-luain. Seisd Lucknow, 1858. 10 Di-mairt. A Ghrian ag éiridh 6.25. 11 Di-ciaduin. A Ghrian a’ laidhe 5.57. 12 Dior-daoin 13 Di-haoine. An cogadh Ruiseanach, 1854 14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad 15 DI-DONAICH. IV Di-donaich ’sa Charghus 16 Di-luain 17 Di-màirt. La Fheill Padruig 18 Di-ciaduin. Breth Ban-Phrionnsa Louise 1848. 19 Dior-daoin 20 Di-haoine. A cheud la dhe’n earrach. 21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801. 22 DI-DONAICH. V Di-donaich ’sa Charghus. 23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal de’n t-Solus, 7.43 mad. 24 Di-màirt 25 Di-ciaduin. La Fheill Muire. 26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh 5.55. 27 Di-haoine. Bàs an VI Seumas, 1625. 28 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 6.18. 29 DI-DONAICH. Di-donaich nam Pailm 30 Di-luain. Ghlacadh Paris, 1813 31 Di-màirt. (29) a Ghealach làn, 1.08 md Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 294] [Vol. 4. No. 37. p. 6] AN GEAMHRADH. Is e so an trath de ’n bhliadhna anns am bheil dubhachas air ’fhaireachduinn, oir tha nadur gu h-iomlan a caochladh cruth, agus tha na seallaidhean sin aig an robh comas co mor air aighear a’s gean a’s toileachas a dhusgadh, a’ gabhail gu luath seachad. Tha gach lus a’ seargadh agus a’ crionadh. Tha na craobhan a bha comhdaichte le deise co lurach ré ùine co fada a’ crathadh an duilleagan diubh agus a’ comhdachadh an lair leis na nithean a thug dhoibh boidhichead roimhe. Na sruthain agus na h-aibhnichean a bha le torman ceòlmhor a’ ruith bho na-h-aonaichean agus ann an slighean cam-lubach ag imeachd air feadh nam fonn ’s nan achaidhean—tha iad anns a gheamhradh a fas mall ’nan gluasad agus gu minic tha ’n reis air a stad gu buileach. Air magh ’s air achadh cha ’n eil coslas pailteis no toraidh. Tha ’n talamh uile mar gu ’m ann fas. Faodar eadhon a shaoilsinn gu ’m bheil nadur fein sprochdach, smalanach an deigh gnuis thaitnich an t-samhraidh agus pailteas mor an fhogharaidh. Anns an t-sealladh so gu leir, anns an atharrachadh mhor a tha teachd a’ gheamhraidh fhuair ag oibreachadh air feadh an t-saoghail, tha samhladh laidir a dh’ fhaodas gach neach leis an aill a bheachd a steidheachadh air, r’a fhaicinn gu soilleir air seann aois, maille ri trioblaid agus deuchainn. Ged tha ’n teachdaire neo-bhaigheil agus fuileachdach nach gabh leth-sgeul no diultadh, trang aig gach am de ’n bhliadhna, anns gach ionad agus am measg uile chinnich na talmhainn; ged tha’m bàs a’ gearradh sios gun acarachd aireamh mhor de ’n t-sluagh anns gach mios; gidheadh is ann an uair a tha ’n geamhradh am fagus a tha ’m boidhichead a’ treigsinn nan achaidhean, guirmead nam blar a’ gabhail seachad, agus duilleagan nan craobh a’ tuiteam chum an lair, is lionmhoire agus is pailte ’tha na braighdean a tha air an tasgadh ann an cuibhrichean an-iochdmhor a’ bhais. Tha mar gu’m b’ ann cumhachd dorcha, dubhach a’ riaghladh na h-aimsir, a’ falach nan speuran gorma, a’ deanamh na fairge luasganach, a’ siubhal troimh na h-achaidhean, a’ glaodhaich a mach ann an gaoith stoirmeil na h-oidhche, a goid ’s a spionadh air falbh gu h-obann blàth an t-samhraidh bho ghruaidhean an leinibh agus a’ toirt air seann aois fein criothnachadh; a’ dol a’ dh’ ionnsuidh iomadh aite adhlaicidh agus a’ roghnachadh iomad uaigh air son nan daoine a tha tuiteam sios fo chorran geur a bhais. Is e Dia a tha’ gabhail a chuairt bhliadhnail ’s a tional suas nan daoine ’rainig na laithean ann an tir nam beo a bha air an orduchadh doibh. Tha, mar an ceudna, comh-chòrdadh r’a fhaicinn eadar an geamhradh a tha’ criochnachadh na bliadhna agus a’ giulan sgeimh mar gu ’m bitheadh nadur fein air call a treoir ’sa treubhantais, agus eadar an duine aosmhor liath a tha ruigheachd ceann a thuruis talmhaidh, a cheann geal le sneachd nam bliadhnachan; oir chunnaic e nis “an tri-fichead bliadhna sa deich.” Cha ’n eil aobhar a’ chomh-chordaidh duilich ’fhaotainn a mach, do bhrigh gu bheil co-ionannachd air a thaisbeanadh ann an iomadh seadh agus fo iomadh dòigh le oibrean a chruthachaidh gu leir. Chi sinn gu ’m bheil an geamhradh a tha sgeadachadh na talmhainn le trusgan sneachdach, reota ’giulan samhlaidh laidir air na laithean liatha-reotha tha ’g iadhadh mu chinn mhoran—laithean a tha nochdadh gu’m bheil an duine fàs abuich air son na h-uaighe, amhuil mar tha ’n t-arbhar trom, tha cinntinn anns na h-achaidhean a’ fàs deas air son corran a’ bhuanaiche. Ach, ged is e dubhachas an ni ’dh’ fhaodar fhaicinn an toiseach anns a gheamhradh; ged shaoileas sinn nach eil brigh no math no comhfhurtachd idir ceangailte ris, is eiginn gu’m bheil e comhlionadh aobhair shonruichte, oir tha e air innsidh dhuinn “gun d’ rinn Dia an geamhradh.” Tha, mar so, raidh dubhach na bliadhna deanamh maith ’sa cur air aghaidh criche mhoir air chor-eigin; agus tha na trioblaidean aimsireil a tha air an samhlachadh leis a’ gheamhradh a chum buannachd mar an ceudna, dhoibhsan a tha ’g am faireachduinn. Faiceamaid co ann ’tha ’n stàth so a co-sheasamh. Ged tha ’n talamh a reir coslais a gabhail fois anns a gheamhradh; ged tha cinneas marbh, a’s lusan a’s craobhan na macharach air stad ’s air crionadh; ged nach eil innealtruidh a nis idir ann, gidheadh tha ’n grunnd a trusadh buannachd bho shuainn ’s bho thamh a’ gheamhraidh. Anns a bhliadhna ’chaidh seachad, chaidh moran de spionnadh an fhearainn a chaitheamh ’sa chur gu feum, agus air an aobhar so, tha beairteas a’ ghruinnd ni ’s lugha. N’ am bitheadh an talamh air oibreachadh gun tamh, ann an uine ghearr cha ghiulaineadh e toradh idir; cha bhitheadh brigh, no dreach, no buannachd ann. Tha raidh tosdach na bliadhna, mar so, a’ lionadh suas seirbheis fheumail ann am freasdal Dhe. Leis an t-samhchair a tha air a mealtuin, tha ’n tir air a h-uidheamachadh air son barr brioghmhor, trom a thoirt seachad a rithist. Eadhon an sneachd a tha ’g amharc co fuar, agus co mi-chaoimhneil, tha esan a gleidheadh uchd nan achaidhean blàth, agus a’ toirt tearruinteachd bho gach stoirm a’s gaillionn do ’n bharr a dh’ fheumas dubhlachd na h-aimsir fhulang. Le tosdachd a’ gheamhraidh tha mar so gniomh feumail a’s priseil air a dheanamh. An trath a smuainicheas neach aig am bheil tearmunn a’s seasgaireachd a’s dion bho fhuachd ’s bho mhi-chaoimhneas na h-aimsir air a liughad creutair diblidh, truagh aig nach eil fardach no doigh air bith trid am faod iad fasgadh fhaotainn bho ’n ghaillionn, fasaidh a chridhe tais agus seirceil, agus miannuichidh e comhstadh a dheanamh leo, sinidh e mach lamh-chuideachaidh dhoibh ’nan eiginn. Mar a’s fuaire tha ’n aimsir a’ fas, is ann a’s blaithe ’bhitheas cridheachan, dhaoine, agus is iarrtasaiche bhitheas iad air cor an comh-chreutairean a tha ann an inbh a’s isle agus ann an suidheachadh a’s truaighe’ thoirt fainear. Bithidh co-fhulangas a’s momha aig an duine shaoibhir ris an duine bhochd, agus bithidh e ealamh gu cobhair a dheanamh air ’na theanntachd. Aidichidh sinn nach e ni caomh no tairis no caoimhneil a tha ann an trioblaid leis am faod sinn a bhi air ar feuchainn. Cuiridh deuchainn snuadh eile air aighear, air gean ’s air soirbheachadh; comhdaichidh geamhradh a’ chruaidhchais samhradh ar sonais le dubhachas an aite aoibhneas, agus le mi-ghean an aite subhachais; tiormaichidh reotha cruaidh na trioblaid na sruthain sheimh bhaigheil a b’ abhaist sonas a’s toileachas co fior a dhortadh ’n ar cridheachan. Thig teachdaireachd uamhasach a ghairmeas air falbh ball no ceann teaghlaich, a dh’iomaineas air falbh gun iochd, gun truacantachd neach da ’m bu nos le chàirdeas fior chaidreamach cridheachan a luchd-daimh a dheanamh ait, agus le ’chomh-luadar stuama, beusach mor mheas a’s urram a chosnadh doibh; agus cha’n eil iadsan ach tearc nach amhairc air tachartas mar so mar ni bronach agus [TD 295] [Vol. 4. No. 37. p. 7] muladach. Ach tha dearbhaidhean araon laidir a’s lionmhor againn nach ann gun run suidhichte eigin, tha cupan sonais an t-sluaigh air a mheasgadh co minic le searbhachd agus le doilgheas. Cha ’n fhaodar aicheadh gu ’m bheil seadh ann—seadh muladach—anns am bheil an geamhradh eadar-dhealaichte gu tur bho na fiosrachaidh bhronach sin a tha ’tionndadh soirbheachadh a’s sonas dhaoine gu bron, gu dubhachas as mi-ghean. Rioghaich, idh an geamhradh thairis air aghaidh-naduir ré na h-ùine gnathaichte, agus fadheoidh leaghaidh an sneachd agus an reotha air falbh; mosglaidh gach machair, gach craobh a’s lus ás a’ chodail dhomhainn anns an robh iad, ath-nuaidhichear aghaidh naduir gu buileach, agus toiseachaidh saothair a’s dichioll le durachd ur, gus am faicear ann an uine ghearr snuadh dreachmhor aoidheil air an talamh. Ach cha’n ann idir mar so, a tha ’n geamhradh a bheir am bas a dh-ionnsuidh duine no teaghlaich. Aon uair ’s gu ’m bheil an duine air a thasgadh anns an tigh chumhann, agus tosdach a’ seulachadh a bhilean, cha ’n ath-nuaidhichear a neart ’sa bheatha le teachd steidhichte earraich no samhraidh. Coidlidh e ann an suainn nach aithnich bruadar no dusgadh. Ni cluarain an raoin sgiamhach uchd na h-uaighe agus seididh fafan an anmuich thairis oirre, ach cha ’n fhairich fear-comhnuidh an tighe gheamhraidh ni air bith de so. Bithidh, fadheoidh, dusgadh ann anns an liobhair gach uaigh na fhuair i fein. Is ann suilbhir agus aoibhneach a bhitheas faireachduinn an duine aig an robh a’ cheann geal le sneachda nam bliadhnachan a bha air an caitheamh ann an eagal agus ann an seirbhis an Tighearna. CONA Chaidh pios fearainn a reic ann an Cornhill am baile Lunnainn, o chionn ghoirid, air an d’ fhuaireadh pris a reir deich muilleinn dolair an t-acaire. Bha coig bùithean mora air. Bha duine aig cùirt air son a bhi air mhisg agus mi-riaghailteach. “A phriosanaich,” ars’ am breitheamh, “Am bheil thu ciontach?” “Tha thus air do phaigheadh air son sin fhaotainn a mach,” ars’ an duine, “agus dean e. Cha ’n fhaigh thu cuideachadh sam bith bhuamsa.” MacDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 296] [Vol. 4. No. 37. p. 8] (Air a leantuinn o’n 3 taobh.) agus cha ’n ’eil thu gu tur a dh’ easbhuidh na Beurla, ach rinn thu gu maith. Tha aobhur aig Sir Séumas a bhi fad, ’n ad chomain gun teagamh. Tha mise fad ’n ad chomaine-sa co dhuibh, a dhuin uasail urramaich, agus bu ro thaitneach leam fios fhaotuinn co a tha ’cur an urraim so orm? M.—Ma ta, bha sin uile gle iongantach gun teagamh, ach ciod bu choltas da? A reir coltais bha e uair eigin ann an caisteal Shir Seumas aig am na seilge far am fac e thu. C.—Cha’n aithne dhomh idir mu sin, oir cha chuimhne leam fhaicinn riamh. Is duine ceanalta, foghainteach, treun e, agus mo làmhs’ nach b’e na h-uile fear a chuireadh a dhruim ri talamh. B’ ealanta, deas a labhradh e ’s a Ghaelic, agus Gaelic na’s feàrr cha d’ thainig riamh á ceann duine? Bha fiamh-ghàire air a ghnùis,—daimhealas gun choimeas a’ deachdadh a ghiùlain! Ochan! b’e ’h duin’-uasal e, ge b’e co e! M.—An d’rinn thu idir a mach cò e? C.—Rinn mu dheireadh. Thachair e orm an ath là ’s a cheart àite, agus thòisich e gu caoimhneil air laahairt mu shean-fhoclaibh, agus air foighneachd dhiom an cual mi sud na so ’s a’ Ghoirtein-Fhraoich? M.—Ach cia mar a chaidh agad air fhaotuinn a mach cò e? An d’ innis e dhuit? C.—Cha d’ rinn e idir e; ach bha dorsair an sin le còta fada gòrm, agus breid dearg mu mhuineal, aig na robh Gaelic agus chunnaic e an duin’ uasal agus mise a’ labhairt ri chéile. Chuir mi a’ cheist ris, an robh eòlas aig air! Fhreagair e gu’n robh, agus ochan! an cliu a thug e air! Cha robh deagh bhuaidh fo’n ghrein a b’ urrainn a bhi air duine nach robh diù-cheangailte ris, agus mu dheireadh thubhairt e gu’m bu Sgitheanach e de chionn Neachdail, agus gu’n robh e ’n a Shiorra an taobh deas na h-Alba. M.—Ach cia mar a b’ aithne dha thusa, a Choinnich, duine nach fhac e riamh roimhe? C,—Innsidh mi sin dhuit. Bha e ’s a’ chùirt,—chual e m’ ainm, agus m’ àite-còmhnuidh ’n am dhoibh a bhi ’g am cheasnachadh, agus mar spòrs dha fein rinn e suas rium mar a chuir mi an ceill. Ach mile beandachd air a cheann, agus m’s beò mise cuiridh mi thuige fathast am fiadh a’s fearr ann am frith Shir Seumas, agus sin ma’s comas domh gach bliadhna. M.—Tha e anmoch, a Choinnich, rachamaid a nis mu’n dleasnas fheasgair againn, agus thugamaid ar leapann an oirnn ’n a thrath le beanachd. ALASDAIR RUADH,—’sa Ghaipheal. Thug mi ’n Oidhche ’n Raoir Sunndach. Thug mi ’n oidhche ’n raoir sunndach Beatadh dlùth ris a’ chaladh, Gus an d’ ràinig mi ’n t-àite Far an d’ fhàg mi mo leannan, Fhuair mis’ i ’si pòste Ri fear òg aig a’ bhaile, Le snaim dhainghinn nach fhuasgail, Dh’ fhagas truagh mi ri ’m mhaireann. ’S truagh nach robh mi ’s mo leannan Ann an gleannan a’ cheobain. No an iomall na coille, Far an goireadh an smeòrach; Bhiodh mo làmh, a ghaoil, tharad, ’S mo cheart air’ air do phògadh, ’S an làmh eil’, a ghaoil, sinnte Fo d’ chùl snìomhain donn, bòidheach. Chiall a mhnathan an t-saoghail, Cuim’ nach faodadh tu falbh leam? Dean deas do chuid aodaich, ’S gu ’m faodamaid seòladh. Gheibh sinn bàt’ ar toirt thairis, ’S gillean grad ’chuireas seòl rith’, ’S théid sinn thairis a dh’ Eirinn, Far nach eubh iad ri’m beò sinn. Ach ma chaidh thu, ghaoil thairis, ’S nach leannan thu dhòmhsa, Gu’n cluinn mi ’ga aithris, Gur neach air deagh dhòigh thu, Le crodh druimionn ’us guaillionn Air da bhuaile mar chòmhla; Nighean eile ’gan cuallachd, ’Us thusa fuaigheal a’d sheòmar. Mo mhallachd air gach duine, Rinn ar cumail o chéile; Tha mi ’m bliadhna ’s an uiridh Fo mhulad mu d’ dhéighinn; An toll chaidh a ’m chridhe, Cha dean lighichean feum da, Gus an téid mi ’san anart, ’Us fo sparradh na déile. BAIS. Air taobh deasan Eilean Mhòir, air a cheathramh latha dhe’n Mhàrt, Eachunn I. Mac-Gill-fhinnein, mac do Dhomhnull Mac Gill-fhinnein, seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Chaochail bràthair dha ann am Montana o chionn da bhliadhna. Fhuair iad galair am bàis ann am muillean pronnaidh quartz anns an robh iad ag obair ’san dùthaich sin. Bha iad gle mheasasl aig na h-eòlaich uile. Aig Man-o’-War Point, air an Eilean Mhor, air an naodhamh latha dhe ’n Mhàrt, Peigi Nic Amhlaidh, aois sheachd bliadhn’ deug, agus air an darra latha deug, Johanna Nic Amhlaidh, aois ochd bliadhna fichead; nigheanan Sheumais Mhic Amhlaidh. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers; &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 297] [Vol. 4. No. 38. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 28, 1896. No. 38. Litir a Lunnainn. A DHEAGH CHARAID:—Nuair a leugh mi ann am MAC-TALLA an t-iomradh mu dheidhinn nan sgoilean ann an Nobha Scotia, is ann a bha m’ inntinn trom, muladach, a smuaineachadh nach robh aon fhacal Gàidhlig air a theagasg annta. Cha ’n eil e furasda chreidsinn gu ’m beil na Gàidheil riaraichte a bhi faicinn an clann a’ fàs suas mar Shasunnaich agus an inntinnean air an lionadh anns na sgoilibh, le droch bharailibh Sasunnach. Tha mi gle thoilichte a ràdh gu’m beiltear a’ deanamh gluasad mu dheireadh maraon anns à Ghàidhealtachd agus ann an Sasunn airson Comuinn no Co-cheangal Gàidhlig a chur air chois. Am Priomh chomunn gu bhi anns a’ Ghàidhealtachd agus meuran anns gach àite feadh an t-saoghail far am bi feadhainn aig am beil a’ Ghàidhlig. Tha leithid so de chomunn aig na h-Eirionnaich a cheana, ged a bhuineadh duinne an toiseach a ghabhail anns a’ chùis. Is mor am beud gu’m beil eadar-dhealachadh cho mòr eadar ar dòighean sgriobhaidh; oir nam b’urrainn duinn dol còmhla anns an aon chomunn, cha bhitheadh uile chumhachd Shasuinn comasach air a’ Ghàilig a chumail as na sgoilibh aon latha eile. B’àbhuist do na Sasunnaich oidheirp a dheanamh air cànain gach cinneach eile a chur as, agus an cànain féin a chur ’na h-àite. A nis, bu chòir do gach Gàidheal deanamh direach mar sin airson a chainnt féin, agus ann an car ùine gheibheadh a’ Ghàidhlig am meas agus an inbhe a bu chòir di fhaighinn. Cha-n urrainn domh a thuigsinn car son a tha mo luchd-dùthcha ionmhuinn cho toigheach air sodalachd nan Sasunnach. Shaoileadh neach gu ’n do rugadh sinn a chum ’s gu ’m bitheamaid ’nar tràillean daibh. Is i mo bheachd-sa gu ’m beil sinne cho math ri cinneach sam bith air thalamh, agus mar sin, cha ’n eil aobhar ann gu ’n cuireadh sinn ar cànain mhilis, bhinn cheòlmhor air chùl, a chionn nach toigh leis na Sasunnaich i. Tha mise gu math eòlach air na Sasunnaich agus tha mi làn chinnteach, nach faigh sinn ceartas uapa cho fada agus a bhitheas sinn eagalach gealtach. Cha tug iad riamh agus cha d’ thoir iad gu bràth, rud sam bith air sgàth a’ cheartais, ach ma sheasas sinn dàna ’nan aghaigh, agus ma chuireas sinn dragh orra mar a rinn a’ bhantrach liosda air a’ bhreitheamh (LUCAS XVIII) gheibh sinn na nithe a tha dhìth oirnn. Tha mi ’n dòchas gu ’m faic mi fathasd iomradh ann am MAC-TALLA gu ’m beil gluasad ann an Antigonish a thaobh sa Gàidhlig a leigeil a stigh do na sgoilibh agus gu ’m beil ar caraid ionmhuinn, urramach “Aonghus” aig a cheann. Co dhiubh, cho fada agus a bhitheas MAC-TALLA maille rinn, faodaidh sinn a ràdh, “Mhair i fòs ’S cha d’ teid a glòir air chall, A dh’ aindeoin ghò ’Us mi-run mòr nan Gall.” Le ceud mile beannachd. Is mi ur caraid dìleas, LAMH LAIDIR. Lunnainn, 14, 3, ’96. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMAINN, M.A.,D.D. CAIB VIII. Dh’ fheòraich Criosduidh de Thuigse an robh dad de dh’ eòlas aig air Deadh Choltas, agus fhreagair esan, “’Se Babilonianach a th’ ann, agus bhuinneadh Oighreachd Fearann Clachach dha; bha eagal air gu ’n cailleadh e a chuid gu léir na ’m bitheadh Babilon air a losgadh suas, uime sin reic e ’n oighreachd, agus ghiulain e leis an t-airgiod. Air dha iomradh a chluinntinn mu ’n t-saoghail ùr—thog e air gu dol ann, ach cha robh seirbheis Emanuel taitneach leis. Bha gradh aige dha ainm Maraiche, ach cha robh urnuigh, moladh, agus irisleachd anam tlachdmhor leis. Aig “Riarachadh saoghalta” phòs e bana-charaid dha ’n Ridire Iudas—a labhair gu cothromach uime ris a Phrionnsa Dhubh, agus fhuair e bhi na sgiobair air “Seann Fheòlmhoireachd” Cha robh e dad ni b’ fhearr na Spuinneadar. Iadsan aig am bheil ainm an Tighearna, agus a philleas a thaobh, fasaidh iad deich uairean ni’s mò na ’n clann uile, na iadsan nach d’ rinn aideachadh riamh. “Ach ciod a dh’ éirich do’n sgioba?” dh-feòrich Criosduidh. “Ghradhaich iad tuarasdal na h-eucoir, agus chaidh iad a dhith, mat a theid gach neach nach dean aithreachas tràthail.” “Carson a dhiùlt iad tròcair a chaidh thairgse dhaibh?” “Do bhrigh gu ’n robh iad uamhreach agus air at suas; dhall am peacadh an sùilean agus cha ghabhadh iad slàinte mar gheibht’ bho Imanuel. “Tha aon ni fathasd agam ri fheòrach” arsa Criosduidh, “mhothaich mi Teachdairean dol gu caisteal a “Phrionnsa Dhuibh” a dh’ innse dha mu thimchioll “Seann Fheolmhoireachd,” gidheadh cha d’ thainig chum a cuideachaidh. An innis thu dhomh car son?” “Nach eil fios agad,” fhreagair Tuigse. “nuair nach urrainn Sàtan tuille buannachd a dheanamh as a thràillean, tha e cur cùl riutha, agus a leigeil daibh dol a dhith. Ach bidh air d’ fhaicill, oir cosmhuil ri athair tha e dol mu ’n cuairt mar Leòmhann bheuchdach a sireadh co dh’fhaodas e sgrios. Is lionmhoire iadsan a tha leinn na iadsan a tha leosan,” Dhealaich iad. Tha aig sluagh nan Stàitean Aonaichte ri ceann-suidhe a thaghadh air an fhoghar s’a tighinn, agus tha iad a cheana ’g obair gu trang a’ sireadh a mach dhaoine a ruitheas air son na dreuchd. Cha ’n e gu bheil daoine tha toileach ruith gann idir, oir tha aon leth-dusan dhiubh anns gach páirtibh, ach ’s i cheist mhor cò ’m fear a’s treise dhiubh. Cha ’n eil Cleveland a dol a ruith idir. [TD 298] [Vol. 4. No. 38. p. 2] AIR AN DU’IRTICH. (An Gaidheal, 1874.) Bha toil mhor agam o chionn iomadh latha dol a dh-ionnsuidh na Du’irtich. Cha robh iongantas ann. Rugadh a’s thogadh mi an sealladh na creige. Chiteadh a’ sgeir o dhachaidh m’ òige, cruinn, maol, a’ snàmh gu socrach air uchd a’ chuain mhoir an uair a bhiodh an aimsir siochail; ach “’n uair dh’eireadh gaillionn a chuan ard,” bu ghreadhnach agus b’uamhasach an sealladh a bhi ’g amharc air na tonnan buaireasach a’ sior shlachdraich air a’ chreig, ’sa sior thilgeadh an onfha fein ceudan troidh do na speuran. B’i a’ sgeir aonarach dhubh, ud, sia mile deug a mach ’sa chuan, an aon bhòcan air son smachd a chumail air cloinn bhig anns a’ chearn ’san do thogadh mi. Cha robh taibhse, no manadh, no glaistig, no ban-shith, roimh ’n robh a leithid de dh’eagal againn. Mur gabhadh tu do bhiadh an uair a dh’ iarrteadh ort, rachadh fhagail air an Du’irtich; ni sam bith a bhiodh a dhìth ort, mur biodh toil a thoirt dhuirt, bha e air sn Du’irtich; agus mur deanadh tu gu h-ealamh gach car a bhiodh air ’iarradh ort, rachadh do chur air an Du’irtich. Tha e duilich leam a chreidsinn gu ’n robh a’ sgeir ’na culaidh-uamhais ni bu mho do ’n t-seoladair a bu ghealtaiche ’sa Chabhlach Bhreatunnach, na bha i dhomh fein cuig-bliadhna-fichead roimhe so. Gun teagamh, an inntinn an t-seoladair, bha ’n Du’irteach co-cheangailte rioidhchean dorcha, luingeas ’g am briseadh, mnathan ’n am bantraichean, ’s clann ’nan dìlleachdain; agus dhomhsa cha dhùisgeadh i ach cuimhneachain air brochain fhuar, leasain gun ionnsachadh, ’s laoigh ’sa ghart: ach, a charaid, ’s beag t-eòlas air nadur nan òg, ma their thu gu bheil coguis chiùrrte agus gu sònruichte broinn fhalamh ’n a ni faoin, soirbh a ghiulan do aois naoi bliadhna de bhalach na chorp shlàinte. Bho chionn beagan bhliadhnaichean chaidh tigh-soluis ceutach a thogail air an sgeir, agus bha ’so aobhar eile air son dol a chur eolais ni bu dluithe air mo sheana bhana-charaid (no bhan-nàmhaid). Cha luaithe ’chaidh iomradh air an turus cuain so, no rinneadh suas a thiota da chuideachd. Chaidh da bhirlinn chomasach a chur nan uidheam; agus bha sinn a feitheamh, le uiread foighidinn ’sa dh’ fhaodamaid, ri latha freagarrach air son na slighe. Moch ’sa mhaduinn air an t-seathamh-latha-deug de mhios deireannach an t-samhraidh a chaidh seachad “thog sinn na siùil bhaidealach, bharra-gheal ri croinn fhada fhulangach, fhiughaidh” na Maighdinn Orasaich ’sa bana-chompanaich ann am Port-na-feamanta. “Bha soirbheas beag, lom againn mar a thaghamaid fein.” Bha sinn earbsach as ar teomachd fein, ’s gu h-araid as a’ Mhaighdinn, “Nach eil bàta ’n taobh so Chluaidh A bheir a fuaradh thar a sroin.” Bha sinn ’sa Mhaighdinn seachdnar a chuideachd, a rugadh ’sa dh’ araicheadh ’s an aon sgireachd. Chaidh seisear dhinn iunnsachadh ’san aon sgoil; ’sian aon t-slat a smachdaich sinn. Bha’n t-seachdamh air an t-saoghal ginealach roimh chach, ach, mo bheannachd air, b’e rogha ’s tagha an fhir-thuruise, air muir no air tir; oir, “Ged nach dean e fidhleireachd, Sgriobhaidh e a’s leughaidh, ’S air m’ fhacal, ni e searmoin dhuit, Nach talaicheadh neach fo ’n ghrein oirr’.” Bha sinn na ’r cuideachd cho sunndach, thuigseach, ’s a gheibhteadh air latha samhraidh; air coinneachadh aon uair eile “aig an tigh” dh’urachadh ’sa neartachadh eolas a’s tlachd air n-òige. Chaidh, gun teagamh, gach aon againn roimh “amhuinn theinntich” fein, agus bu shona esan, ma bha e ann, a fhuair an amhuinn air a teasachadh ni bu mho le ordugh an Righ na le ’dheanadas fein; ach an deigh gach dathadh a rinneadh oirnn, bha sinn fhathasd an treun air neirt, le ar misneach laidir, cridheachan blath, agus sinn gaolach mu chomunn a chéile air dhoigh nach faighear, saoilidh mi, ach an eileana beaga na Gàidhealtachd a mhain. Rugadh ’s thogadh sinn taobh na mara; bu choingeis leis gach fear againn stiuir, ramh, no taoman; ’s gheibhteadh ’n ar cuideachd sgeul, iorram, no searmoin. Feudar a bhi cinnteach gur iomadh cuimhneachan a chaidh a dhusgadh, naigheachd a chaidh innseadh, oran a chaidh a sheinn, ceist a chaidh a chur ’sa fhreagairt; ’s gur iomadh focal maith Gàidhlig a chaidh a sgoltadh, re nan tri uairean a thug a’ Mhaighdeann “a gearradh a h-astair feadh thonn, gun churam,” o chladach bearnach Cholasa gus an Du’irteach. Bha uiread othail ’nar measg a ruigheachd na sgeire ’s ged a’ bhitheamaid a’ dol a thoirt a mach baile-daighnich. Bha stri co bu luaithe ’bhitheadh air tir. Chaidh ar beatha ’dheanamh gu cridheil le fir an tigh-sholuis; ’s bu mhor ar moit an uair a dh’innis iad dhuinn gu’m bu sinn a’ cheud chuideachd, a mach o luchd riaghlaidh ’s luchd-freasdail, a chaidh a dh’ aon ghnothuch g’ am faicinn o’ n a thogadh an tigh. Chaidh an t-slige mu ’n cuairt, ’s ol air slàinte na Du’irtich ’sa luchd-àiteachaidh. Tha chreag da cheud ’s da fhichead troidh air fad, deich ’s sia fichead troidh a leud, ’sa ’g eiridh á doimhneachd a’ chuain mu dheich troidhean fichead os cionn airde a mhuirlain. Cha ’n eil tanalach a’ briseadh cumhachd na fairge mu ’n cuairt di, ach a mhain tri sgeirean beaga air an taobh an Iar a chithear ri isle-mhara. Cha ’n eil sgeir air an deach togail a dheanamh ceithir thimchioll Bhreatuinn air an d’ fhairicheadh buille na fairge cho trom. Leis gach asaig a b’urrainn innleachd a’s airgiod a chur an comas luchd-togail an tighe, cha d’ fhuair iad air tir air a’ sgeir a cheud bhliadhna a thoisich an togail ach seachd latha fichead, ochd latha deug thar fhichead an ath bhliadhna, tri fichead an treas bliadhna, agus mu thri fichead gach bliadhna ’na dheigh sin. Chithear a chreag air a treabhadh ’s air a sgolbadh, ged ’s cruaidh a gné, le cumhachd na fairge—dearbhadh laidir air cho deanachdach ’sa tha buille na tuinne a tha briseadh oirre. Is e tigh-soluis na Du’irtich am fear mu dheireadh a chuireadh suas anns an t-sreath a tha ’coinneachadh luingeis a thig o’n chuan air iar-bhord na h-Alba. Maol-Chinntire, Port na h-aibhne, Du’irteach, Sgeir mhor nan ròn, Ceann deas Bharra, Haoisgear, Ceann tuath Leoghais,—gach aon o oidhche gu oidhche a’ tilgeadh a mach do ’n chuan a sholus dealrach fein an coinneamh a’ mharaiche, a’ cur failte air do dh-Albainn, ’s ’ga threorachadh air a shlighe. Tha solus an Du’irtich mu sheachd fichead troi’dh air airde; solus làidir, seasmhach (mar their na maraichean,) a’ dearrsadh geal ris an airde ’n-iar, an airde-deas, ’s an airde-’n-ear; ach dearg ris an airde-tuath. Anns a’ bhliadhna 1867 thoisich an t-ullachadh air son na togalach. Anns an ath bhliadhna chladhaicheadh steidh an tighe. Bha chlachaireachd criochnaichte ann an tri bliadhna eile, [TD 299] [Vol. 4. No. 38. p. 3] agus ann an geamhradh 1872 bha ’n solus laiste, gun sgiorradh gun dochann air neach de ’n luchd-obair. “Ciosnaichear Nadur le geilleadh dhi,”—is fior an radh so; agus b’ fharsuing, geur-sheallach inntinn an fhir a chuir an fhirinn an cainnt. Cha ’n ’eil e farasda dearbhadh is laidire fhaotainn air a’ ghnath-fhocal na gheibhear a’ beachdachadh air tigh-soluis na Du’irtich. Is e crioch araid tigh-soluis, an solus is neartmhoire anns an togail is tearuinte. Is iomadh lagh Naduir air am feumar a bhi mion-eolach, agus d’ am feumar geilleadh mu ’n toirear a chrioch so gu deagh bhuil. ’S ann air a gluinean a thug esan buaidh a dhealbh ’s a chriochnaich tigh-soluis na Du’irtich. Tha steidh an tighe domhain ’s a’ chreig. Chaidh gach clach ’s an togail a chladhach, a thomhas, a chuimseachadh, ’s oibreachadh an Eilean-Earraid an iochdar Mhuile, far a bheil a nis dachaidh luchd coimhead ’s luchd freasdail an tighe. Se mile deug air falbh o’n chreig, chaidh gach clach a chothromachadh, gach aon air son a h-aite fein. Cha ’n eil seol no innleachd a fhuaireadh a mach nach robh air a chleachdadh a chum na clachan a cheangal ri chéile air an doigh a bu laidire ’s a bu diongmhalta. Bha gach aon air an eagadh ’s air an ealpadh ’na chéile ’s air an tàthadh leis a ghlaodh a bu teinne greim; air chor ’s gu bheil an tur ard a nis cho laidir ’s cho seasmhach ’s ged a b’aon chlach e o mhullach gu bonn. Agus tha’n t-eolas ’s an t-seoltachd cheudna air an cleachdadh, ’s neo-ar-thaing cho buadhmhor, air son neart a’s tearuinteachd an t-soluis. A’ direadh gu mullach an tighe, tha os cionn deich troidhe fichead d’ an t-slighe air faradh prais a tha sinte ri cliathaich an tuir, agus, gun teagamh, is feairde duine suil a’s lamh a’s cas chinnteach a bhi aige mu’n teid e ’s an fhàradh. ’N a deigh so tha ’n tur fosgailte, ’s tha ’n direadh air an taobh a stigh le seachd staidhichean—gach te mu dheich no dusan troidh air airde. Tha chuid fhosgailte de ’n tigh air a roinn ’n a sheachd urlair; ’s gach aon air a chur air leth air son a ghnothuich fein. Seomraichean cadail a’s suidhe do ’n luchd-faire; aitean-tasgaidh air son gach goireas a bhitheas feumail do na daoine, ’s gach ni a bhitheas a dhith air son an tigh a chumail laiste agus glan;—gheibhear so anns na urlair is isle. Os an cionn sud tha clag trom a bhithear a’ seirm ri am ceò, ’s a chumar a’ bualadh le bhi nis ’s a ris ’g a thoinneamh mar nithear air uaireadair; glaineachan a’s innleachdan air son a bhi ’g innseadh teas na side, luathas na gaoithe, ruith na tim, ’s a leithide sin. Am mulladh an tighe tha seomar an t-soluis, agus is leoir a radh nach ’eil innleachd no seol air an d’ fhuair luchd-eolais greim gus an latha a chaidh an solus a lasadh, nach ’eil cuideachadh is urrainn curam a dheanamh le eolas o ’n am sin, nach ’eil air an cleachdadh air son cumhachd agus cinnteachd an t-soluis a mheudachadh. Le mor-chaoimhneas threoraich am fear-faire sinn troimh ’n tigh, agus le mor-thoinnisg chomharraich e mach gach aite gach innleachd a bh’ ann. Bho mhullach an tighe tha ’n sealladh mu’n cuairt farsuing, greadhnach ach neo-chumanda. Chithear Tirithe, “tir iosal an eorna” a’ sgaoileadh a mach ris an iar-thuath; ’s an ear-thuath chithear I-Chaluim-Chille, sgarte o “Mhuile nan craobh” le caolas mu mhile air leud, ’s a’ sealltuinn mar chunnaic Calum-Cille fein e ’n uair bha e ’seoladh seachad air an Du’irtich tri cheud deug bliadhna roimhe so, ’n a dhachaidh thearuinte do ’n t-soisgeulach ann an linntibh borb, ’s cho iosal ’s nach faicteadh Eirinn thar a’ chnuic a b’ airde dheth; air ’n ear fearann Cholasa a luidhe iosal fo bheanntan riabhach Dhiùra, ’s “Ile ghlas an fheoir” a teicheadh air falbh a dh-ionnsaidh na h-airde deas. An cuan mor fosgailte o’n airde-’n-iar, le ’thuinn air an la ud, a’ glasadh gu seimh mu ’n sgeir a bha ri ’faicinn fothainn corrach, dubh, le birlinn air acair air gach taobh dhi. Ag eisdeachd ri osna throm na fairge air a’ chreig, shaoileamaid gu robh an cuan mor, mar ghaisgeach treun, a’ leigeadh a sgios, ’s a’ cruinneachadh tuilleadh neart a chum a bhi ag urachadh a chath ris a’ sgeir, a thòisich air a’ mhadainn “air an do chruinnicheadh na h-uisgeachan a ta fuidh neamh a dh-aon aite, ’s an do leigeadh ris an tir thioram.” Cia mor an leir-sgrios a rinneadh o’n sguabadh an ar-fhaich so ’n toiseach, cia lionmhor beatha a chaidh a chall, cridhe a chaidh a bhriseadh, ’s teaghlach a chaidh an culaidh-bhroin, bithidh fios a mhain “an uair a bheir an fhairge uaipe na mairbh a bhitheas innte.” B’ eigin tearnadh. Sgriobh sinn ar n’ ainm, mar is gnath le luchd-tathaich, ann an leabhar a th’ air a ghleidheadh air son a’ ghnothuich so. Sgaoil sinn beagan mhionaidean air a’ sgeir—gach aon titheach air son cuimhneachan a bhi dhachaidh leis—mir de ’n chreig, bàirneach, duileasg, ni eigin a ghabhadh toirt air falbh; agus chruinnich sinn a ris a dh-fhagail beannachd chairdeil aig na fir chaoimhneil, thuigseach a tha ’gleidheadh an tighe, ’s a dh-ol “deoch an doruis.” Bha ’n t-am a’ chreag ’fhagail. Bha ’n t-slighe buan; cha robh a ghaoth ach lag, agus na bh’ ann cho direach ’n ar n-aghaidh ’s a b’ urrainn di seideadh. Bha ’n tilleadh fadalach; ach bha chuideachd sunndach. Thuit dalla-bhrat na h-oidhche oirnn ’s sinn fathasd moran mhiltean o cheann ar turais. Dhealaich sinn fein ’s ar bana chompanach. Dh’eirich a’ ghaoth; dh’ fhas a’ Mhaighdeann, a bha cho morasda re an la ’s an fheasgair, sunndach, curaideach; ’s thug mi ’n aire gu ’n d’ fhuiling i do ’n fhairge “mholach, cheannaghlas” a beul a phogadh gu tric ’s an dorcha. Ged nach “sgoilteadh i cuinnlean caol coirce le fheobhas ’s a dh’ fhalbhadh i,” cha robh i fada ’g ar giulan gus a’ chaladh, “A tha crom mar bhogha air ghleus, A tha seimh mar uchd mò ghaoil.” Cha robh ar bana-chompanach fada ’n ar deigh. Chaidh a’ glaine uair eile mu ’n cuairt: agus sgaoil a chuideachd;—am fear a bu ghlice ’n ar measg a’ meas gu robh an la air a dheagh chaitheamh, ’s am fear a b’ oige dearbhta nach di-chuimhnich e ’n turas fhad ’s a ghleidheas cuimhne a h-aihe am measg buaidhean ’inntinn. D. M’K. Buinidh am bonn airgeid a’s sine th’ air an t-saoghal do na Sineich. Tha àireamh de na buinn sin ri ’m faotainn, agus tha iad a’ tomhas o aona phunnd gu coig puinnd am fear. Tha na buinn a th’ aca ann an Sina ’san Corea an diugh a cheart cho trom sin. ’N uair a theid duine do’n bhaile cheannach bathair, feumaidh e paidhir dhamh a thoirt leis gus an t-airgead a ghiulan, agus am bathar a gheobh e air son an lòid sin, theid aige air a thoirt dhachaidh ’na laimh. Cha dean aon chirein duine slàn, ’s cha dean aon sàth duine reamhar. [TD 300] [Vol. 4. No. 38. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 28, 1896. Tha Pàrlamaid Chanada ri bhi air a sgaoileadh air a’ cheathramh latha fichead dhe’n ath mhios; tha ’n Riaghladh an deigh a dheanamh a mach gu bheil i a’ basachadh air an latha sin. Tha gach pàrlamaid air a taghadh air san còig bliadhna, agus bidh na còig bliadhna aice so a mach an uair sin. Bi’dh aig an dùthaich uime sin ri pàrlamaid ùr a thaghadh tràth ’san t-samhradh. Thatar ag obair air a’ bhill a thaobh sgoilean Mhanitoba fhathast, ach tha coinneamh aig teachdairean o’n da riaghladh ann a’ Winnipeg anns na lathaichean so, agus tha dòchas aca gu’n gabh a chùis réiteach air dhòigh a chòrdas ris gach taobh. Tha paipearan naigheachd a thainig as a Ghàidhealtachd air an t-seachdain so, ag innse gu bheil iadsan a tha ann an ùghdaras ’s na h-Earadh a bruidhinn air tri cheud tigh croiteir a losgadh. Tha iad air son so a dheanamh a chionn nach eil na taighean fallain, agus gu bheil fiabhrus gu tric a bristeadh a mach am measg an t-sluaigh a tha còmhnuidh annta. Tha iad aig an àm cheudna a cur rompa iarraidh air riaghladh na rioghachd cuideachadh a dheanamh leis an t-sluagh ann an togail thaighean ùra. Tha cuid de na paipearean gu fada ’n aghaidh losgadh nan taighean. Tha iad ag radh gu’m biodh e ’na ghniomh ro bhorb, agus gu robh tuilleadh s’a chòir de ’n obair sin air a dheanamh anns na h-Earradh ’s ann an ceranan eile de ’n Ghàidhealtachd ’san àm a dh’ fhalbh. Na ’n robh na croitearan air ceartas fhaotainn, cha bhiodh iad an diugh an taing an riaghlaidh air son taighean ùra chur suas; cha mhò bhiodh iad a’ còmhnuidh anns an t-seòrsa thaighean anns am bheil iad. Ach cha d’ fhuair iad ceartas, agus tha bhuil sin orra. A chuid sin dhiubh nach deach fhògradh as an dùthaich chaidh an cur do gach mir bu mhiosa dhe ’n fhearann, far nach gabhadh caoraich no féidh beathachadh. ’S e sin is coireach iad a bhi ’n diugh anns a’ bhochduinn ’sam bheil iad, agus ma tha ’n riaghladh air son an toirt as a bhochduinn, ’s fhearr dhaibh fearann a thoirt dhaibh is urrainn daibh obrachadh, agus air am bi e comasach dhaibh am beòlaind a dheanamh. Gaidheil Ghlinn-Garaidh. A CHARAID:—Tha mi ann a so a cur ’g ad ionnsuidh àireamh na fineachan Gàidhealach uile ach glè bheag, a tha ann an Glann-a-garradh an Ontario, gun tri bailtean a tha ann a chunntas idir, Baile Alexandria, Maxville, agus Lancastir. Aiream gach fine air leth mar a leanas:—Clann Domhnuill 632; Clann Mhic Ille Mhaoil, 122; Clann Mhic Leòid, 116; Clann Ghill-innean, 99; Clann Mhic Rath, 96; Clann Chaimbeil, 73; Clann Chamshron, 68; Clann Uaraig, 55; Frisealaich, 54; Clann Mhic Cuthaig, 49; Clann Fhionghain, 47; Clann Mhic Ille-Bhràth, 39; Clann Ghriogair, 38; Clann Chrimein, 67; Robarstanaich, 32; Rothaich, 31; Moireastanaich, 30; Clann Artair, 29; Clann-a-Leise, 29; Clann a Phi, 28; Deuirich, 28; Clann a Phearsain, 25; Feargastanich, 25; Siosalaich, 24; Clann Mhic Neachtain, 23; Clann Mhic Labhrainn, 19; Clann Mhàrtinn, 18; Iasgairich, 18; Clann Mhic Coinnich, 18; Clann-an-t-Saoir, 17; Clann Mhic Aoidh, 15; Catanaich, 13; Clann-a-Mhaighstir, 11; Clann Mhic Cormaig, 10; Clann Mhic Suain, 9; Clann Mhic Ascuill, 6; Clann Neill, 5; Clann Mhic Cullach, 5; Clann Mhic Cuinn. 3. Bha aimsir gle fhuar agus fhiadhaich le cur sneachda agus cathadh bho thoiseach a mhios ’sa chaidh gu a so fathasd. Le cho fuar ’sa tha an t-side fuireach cha ’n fhaigh muinntir siùcar na coille a dheanamh cho tràth ’sa ’s minic a rinneadh e. Tha gach ni gle phailt agus saor ann an so, ach feur agus fodar. Bha feur ga reic dusan dolair an tunna fad a gheamhraidh, ach tha e beagan na’s saoire bho chionn seachdain air ais. Beannachd leat an la a chi ’s nach fhaic. Do charaid, Fear Naidheachd. An Mart, 20mh la 1894. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 301] [Vol. 4. No. 38. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha stoirm mhor shneachda ann an Ontario deireadh na seachdain s’a chaidh. Cha do ruith an carbad-iaruinn eadar Toronto us Ottawa fad cheithir latha leis na bha de shneachda air an rathad. Chaidh tigh ’na theine ann an Danville, an Cuibeic, oidhche Shathurna s’a chaidh, agus chaidh triùir chloinne a losgadh. Bha tri teaghlaichean a’ fuireach ’san tigh, agus bhuineadh dithis de’n chloinn do aon duine. Bha iad eadar deich us dusan bliadhna dh’ aois. Tha na mèinneadairean anns na Joggins an deigh a dhol a dh’ obair. Bha iad ’nan tàmh o chionn faisg air tri miosan, agus tha iad a nise gu ire bhig a’ gabhail leis na ceart thuarasdail a bha luchd-seilbh na mèinne a’ tairgse dhaibh ’nuair a sguir iad a dh’ obair. ’S ann gle ainneamh a tha sgur a dh’ obair mar sid a’ deanamh feum. Tha fear Hiram H. Moireastan, a mhuinntir Nobha Scotia, an sàs ann am Boston air son a bhean féin a mhurt. Dh’ aidich e an deigh a ghlacadh gu’n do chuir e crioch oirre, ’s gur e ’n dòigh a ghabh e dhi a tachdadh le ’lamhan. Tha e suas ri tri fichead bliadhna dh’ aois. Tha e coltach nach robh e féin ’sa bhean réidh ri chéile o chionn treis a dh’ ùine. Chaidh gille beag a ghlacadh ann am Boston an la roimhe, a dh’ aidich gun do chuir e teine ri naodh taighean anns a’ bhaile an taobh a stigh de sheachdain. Tha e ’g radh nach eil toil sam bith aige cron a dheanamh, ach gu’n tig crith air aig uairean agus gu feum e teine lasadh. Na teintean a las e ’sa bhaile, fhuaireadh an cur as mu’n d’ rinneadh milleadh sam bith leotha. Tha eaglais ùr Chaitliceach ri bhi air a cur suas ann am Mabou air an t-samhradh so ’tighinn. Tha i gu bhi ceud us da throidh dheug a dh’ fhad, leth-cheud troidh ’sa sia a leud, agus bidh a chrois air bàrr an stiopuill seachd fichead troidh ’sa sia deug o’n làr. ’N uair a bhios i ullamh, bidh i air aon de na h-eaglaisean a’s motha ’s a’s briagha air an eilean. Chaidh tri duine deug a mharbhadh ann am mèinn ghuail ann an Dubois, am Pennsylvania, ’sa mhaduinn Di-luain s’a chaidh. Spraidh gas a bh’ air cruinneachadh far an robh iad a’ cladhach a ghuail, agus chaidh aona chuid an marbhadh no am mùchadh. Bha ceathrar eile anns a’ mèhinn aig an àm, ach bha iad sin astar math o’n àite anns an deachaidh am companaich a mharbhadh, agus fhuair iad as le ’m beatha. Tha Sina an deigh ceithir fichead mile gunna a cheannach ann am Bavaria air son a cuid shaighdearan armachadh. ’Se dolair am fear a phàigh i orra. Tha eagal oirnn ’nuair a theid a cuid shaighdearan a chogadh leotha, gu faigh iad a mach gu’n do chosg iad barrachd ’sa b’ fhiach iad. Cha mhor a ni iad an taca ris na h-innealan-sgrios leis am bheil saighdearan dhùthchannan eile air an armachadh. Thàinig bàs gle aithghearr air an Dotair Mac-a-Phearsain, ann an Sidni Tuath ’sa mhaduinn Di-luain a’a chaidh. ’Se cansair anns am amhaich a thug a bhàs, agus bha e aig obair gu beagan uairean mu’n d’ thainig a chrioch. Bha e ’na dhuine air an robh meas mor aig gach aon a fhuair eòlas air. Rugadh e air am Amhuinn a Deas, an Antigonish, ’sa bhliadhna 1847. Bha e mar sin da fhichead bliadhna ‘sa naodh a dh’ aois. Chaidh a thiodhlacadh Di-ciaduin. Tha làn dhùil aig daoine gu’m bi ’n obair anns na mèinnean guail air an t-samhradh s’a tighinn gu math na’s fhearr na bha i air an t-samhradh a dh’ fhalbh. Tha luchd-seilbh nam mèinnean an deigh roinn mhor ghuail a reic cheana. Reic iad eadar leth-cheud us tri fichead mile tunna ri rathad-iaruinn ann am Maine, far nach do reic iad tunna an uiridh, agus tha iad am barail gu reic iad barrachd ’sa b’ abhaist daibh ann an Cuibeic ’s am Montreal. Ni sin timeannan gu math na’s fhearr an Ceap Breatunn na bha iad an uiridh. Oidhche Di-mairt s’a chaidh, chaidh seana bhoirionnach, bean Alasdair ’Ic-an-Tòisich a’ losgadh gu bàs ann am baile Phictou. Bha i fhein ’sa fear-pòsda a’ fuireach ann an tigh an teis-meadhon a bhaile. Thatar a’ deanamh a mach gu’n do ghabh a h-aodach teine, ’s i timchioll air an stòbh, agus mu’n d’ fhuair a fear eigheach air son cuideachaidh gu robh i air a losgadh gu bàs. Bha a corp air a losgadh gu dona. Bha i gle fhaisg air tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Tha Mac-an-Tòisich féin na ’s sine na sin agus ’na dhuine gle lapach. Fhuaireadh nighean do’m b’ ainm Anna Nic Grath marbh ann an tigh am Philadelphia feasgar Di-luain. Rinn na lighichean a mach gu robh i marbh ceithir uairean fichead mu’n d’ fhuaireadh i; agus nach bu bhàs nàdurra a thainig oirre idir. Bha i cumail taighe comhla ri fear Langdon, agus tha esan air a ghlacadh. Cha’n innis luchd a’ cheartais car son a ghlac iad e, ach ’s i bharail a tha measg dhaoine gur ann a chionn gu bheil amhrus aca gu robh làmh aige ’na beatha. Tha Langdon na dhuine mor am measg luchd-airgeid a bhaile. Tha e na cheann-suidhe air cuideachd aig a’ bheil moran de mhèinnean-guail na Stàite fo’n làimh. Thaìnig seòladair Gearmailteach air tir ann am Parsborro, N. S., a’s t-samhradh s’a chaidh, agus ghabh e air fhéin gu’m bu duin’-uasal e, ’s gu robh suim mhor airgeid a tighinn ’ga ionnsuidh cho luath ’sa chuireadh e fios dhachaidh a dh’ innse càite ’n robh e. Fhuair e biadh us deoch us aodach air chreideas fad thri no cethir a mhiosan, ach ’nuair nach d’ thainig an t-airgead, chuireadh an greim e, agus chuir e stigh tri miosan ’sa phriosan. An deigh dha faotainn m’a sgaoil, chaidh e gu Amherst, ach an oidhche roimhe chaidh e as an t-sealladh, a toirt leis leth-cheud dolair de dh’ airgead bean an tigh-òsda, agus còt-uachdair le fear de na bòrdairean. Cha chualas guth air uaithe sin, ’s cha’n eil fhios càite ’n d’ thug e air. AM MART, 1896. 1 DI-DONAICH. II Di-donaich ’sa Charghus 2 Di-luain. Breith Pap Leo XIII, 1810 3 Di-mairt 4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36. 5 Dior-daoin. A Ghrian a’ laidhe 5.49. 6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 7.15, mad. 7 Di-sathairne 8 DI-DONAICH. III Di-donaich ’sa Charghus 9 Di-luain. Seisd Lucknow, 1858. 10 Di-mairt. A Ghrian ag éiridh 6.25. 11 Di-ciaduin. A Ghrian a’ laidhe 5.57. 12 Dior-daoin 13 Di-haoine. An cogadh Ruiseanach, 1854 14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad 15 DI-DONAICH. IV Di-donaich ’sa Charghus 16 Di-luain 17 Di-màirt. La Fheill Padruig 18 Di-ciaduin. Breth Ban-Phrionnsa Louise 1848. 19 Dior-daoin 20 Di-haoine. A cheud la dhe’n earrach. 21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801. 22 DI-DONAICH. V Di-donaich ’sa Charghus. 23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal de’n t-Solus, 7.43 mad. 24 Di-màirt 25 Di-ciaduin. La Fheill Muire. 26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh 5.55. 27 Di-haoine. Bàs an VI Seumas, 1625. 28 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 6.18. 29 DI-DONAICH. Di-donaich nam Pailm. 30 Di-luain. Ghlacadh Paris, 1813. 31 Di-màirt. (29) a Ghealach làn, 1.08, md Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 302] [Vol. 4. No. 38. p. 6] Mar a Sguir Deorsa dhe’n Ol. Cha do phòs Deòrsa Mac-Thòmais riamh, agus cha bu chuimhne le duine gun d’ thug e riamh ionnsuidh air pòsadh. Cha do chuir an gaol deagh air a chridhe ’nuair a bha e òg, agus a nise ’nuair a bha e ’na leth sheann duine, cha bu choltach gu’n tòisicheadh e ri bhualadh. Cha do chum smaointean air caileig o bhiadh no o chadal e latha no oidhche o’n rugadh e, agus uime sin aig àm ar sgeòil, bha e na “dhuine saor.” N’am feòraichte dhe fhéin car son a bha chùis mar sin, ’se theireadh e,—“Nach ann ort a tha ’n t-iongantas aon duine glic a bhi ’san t-saoghal! Tha gu leòr de dh’ amadanan ann ged dach rachainn-sa ’nan ceann. Tha thusa smaoineachadh nach eil cridh’ agam idir. ’S ann agam a tha, ach tha ceann agam cuideachd, agus tha ’n darra cuid a cumail rian air a chuid eile. Tha mise ’g ràdh riut,” theireadh e, “nach eil e nàdarra do dhuine bhi cho deigheil air aon chaileig ’s nach fhaic e maise no beus an té sam bith eile. ’S e ’n duine coilionta am fear sin aig am bheil cridhe cho farsuinn ’s gu’n gabh e stigh iad uile, ’s gu’m bi e cho gaolach air an darra té sa bhios e air an té eile!” Bha Deòrsa féin cho faisg air a bhi ’na dhuine coilionta anns an dòigh so, sa ghabhadh faotainn eadar da cheann na duthcha. Bha e caoimhneil ris na h-uile, agus bha na h-uile measail air. Ruitheadh a chlann bheag na choinneamh ge b’e àite ’m faiceadh iad e, agus iad cinnteach gu’m faigheadh iad milseanan uaithe. Ach tha smùdan féin á ceann gach fòid, agus tha choire fhéin air an duine ’s fhearr a rugadh. Feumar aideachadh gu robh Deòrsa car trom air an òl. Fad na seachdain cha ghabhadh e dheth ach beagan; cha do chum an deoch o obair riamh e. Ach cho cinnteach ’sa thigeadh oidhche Shathurna rachadh Deòrsa dha ’leabaidh ’se gle fhaisg air air a bhi air an daoraich. Bha e fuireach còmhla ri mhàthair agus bu mhac e a thaghte á ceud mur biodh an aon choire. B’ abhaist d’a mhàthair gach feasgar Di-sathurna làn soithich de bhainne goirt a chur am preasa nan soithichean, gus nan eireadh Deòrsa air feadh na h-oidhche lan pathaidh, gu’m faigheadh e rud a chaisgeadh ’iota. Aon oidhche Shathurna, an deigh do Dheòrsa bhi mar a b’ abhaist a’ cumail mòd ri Mac-an-Tòisich, rainig e ’n tigh ’se gu math fad air adhart. Fhuair a mhàthair toirt air a dhol a laidhe, agus an ùine ghoirid bha e na shuain chadail. Mu mheadhon oidhche dhùisg e, agus ’amhach mar gu’m biodh amhunn theinnteach. Dh’ éirich e, agus thug e ’n cidsinn air, far an robh a mhàthair ’na cadal, dh’ fheuch am faigheadh e a chuach anns an robh am bainne goirt. Bha a cheann air aimhreit, agus cha robh ball-àirneis anns an rùm anns nach do bhuail e. Dhùisg an starbraich a rinn e a mhàthair, agus dh’ fheòraich i an e bh’ ann agus ciod a bha e ’g iarraidh. Fhreagair Deòrsa gu robh am pathadh air, agus gu robh e air son lan a bheòil dhe’n bhainne ghoirt fhaotainn. “Ma ta,” arsa mhàthair, “o’n tha thu air do chois, feuch an seid thu an teine.” “Ni mi sin,” arsa Deòrsa, agus cha b’ fhada gus an robh e seideadh le ’uile neart. Ach air do shùilean a mhàthar a bhi nise air fas cleachdte ris an dorchadas, thug i fa-near gur h-ann a bha e air a ghlùinean ri taobh a phreasa, agus a séideadh trosg mòr a bha ’n crochadh ris a bhalla. Bha seòrsa de dhearrsadh bhar craicionn an truisg, agus shaoil le Deòrsa gu’m b’e ’n teine bh’ ann. “Gu de tha thu deanamh an sin?” ars ise. “Tha mi ’séideadh an teine,” ars esan. “A bhumalair ghràinde,” ars ise, “’se tha ’n sin an trosg a fhuair mise air son dinneir na Sabaid.” “Ma ta,” arsa Deòrsa, “tha mise ’n deigh mo cheann a sgàineadh ris, agus cha’n urrainn domh an teine shéideadh a nise. Biodh aige gu maduinn;” agus dh’ éirich e na sheasamh ’s rùraich e measg nan soithichean gus an d’ fhuair e, mar a shaoil leis, a’ chuach anns an robh ’m bainne. Chuir e air a cheann i, dh’ òl e gach boinne a bh’ innte, agus thug e ’n leabaidh air. Bha an tigh sàmhach car treis, ach ’nuair a bha ’n t-seana bhean a tuiteam ’na cadal, chual’ i gearain anns an rùm ’san robh Deòrsa. Dh’eubh i ris an robh dad cearr air, ach cha d’ fhuair i freagairt. An sin las i coinneal agus chaidh i far an robh e. Bha e an sin ’ga shuaineadh fein ’san aodach, agus e cho bàn ris an anart. “Gu de tha cur ort?” arsa mhàthair. “O tha mi tinn, tinn,” arsa Deòrsa. “Tha mo stamag air a dhol air aimhreit. ’S fhearr dhuibh cuman fhaighinn; tha eagal orm gu feum mi diobhairt.” Fhuaireadh an cuman agus thòisich Deòrsa air cur a mach. “Gu’n cuidich am freasdal sinn.” arsa mhàthair, “bhrist thu cuisle; cha’n eil thu cur a mach ni ach fuil! O gu dé ni mi? Gu dé ni mi?” ’N uair a chunnaic Deòrsa ’n fhuil, dh’ fhàs e moran na bu mhiosa. “’S fhearr dhuibh a dhol a dh’ iarraidh an dotair, a mhàthair,” “tha eagal orm gu bheil mi dol a bhàsachadh.” “Theid,” ars a mhàthair, “agus a dh’ iarraidh a mhinisteir cuideachd, oir cha robh thu idir na do ghille cho math ’s bu chòir dhuit. ’S cinnteach gur h-e breitheanas a thainig ort air son do chuid òil, agus ma theid thu na’s fhearr, tha mi ’n dòchas gu’n toir so leasan dhuit.” “Bheir e sin,” arsa Deòrsa; “Ma gheobh mise thairis air so, cha ’n òl mi deur tuilleadh.” “An geall thu sin?” arsa mhàthair. “Geallaidh gu deimhin,” arsa Deòrsa, “ach falbhaibh a dh’ iarraidh an dotair an dràsta neo cha bhi mi ann gus gealladh no rud sam bith eile dheanamh.” Dh’ fhalbh a mhàthair ’s chuir i cleòca m’a ceann gus a dhol a dh’ iarr an dotair. Dh’ fhosgail i dorus a phreasa gus an iuchair a thoirt leatha. “A Dheòrsa! ars ise, “gu dé bha thu deanamh anns a’ phreasa?” “Cha d’ rinn mise dad ’sa phreasa,” arsa Deòrsa, “ach gu ’n do dh’ òl mi deoch bhainne. “Deoch bhainne ’s droch uair!” arsa mhàthair. “Tha ’m bainne gun bheanalt dha ’sa mhis far an d’ fhàg mi e! ’se rud a dh’òl thu an fhuil a bha mise ’gleidheadh air son nam maragan dubha?” “Gu de thuirt sibh?” arsa Deòrsa ’se ’g éiridh na shuidhe, “Ma ’s e sin a rinn mi, cha do bhrist mi cuisle idir, agus cha ’n eil mi cho teann air a bhas ’sa bha mi ’n dùil,” agus an àite bhi gearan ’sa ’g ochanaich ’sann a thòisich e ri gàireachdaich. “Cuiribh dhibh an cleòca, a mhàthair.” ars esan, “cha chuir sinn dragh air an dotair an nochd, no air a Mhinisteir na’s mò. Tha mi slàn fallain an nise.” “Ach do ghealladh a thaobh sgur dhe ’n ol,” arsa ’mhathair. “O,” arsa Deòrsa, “rinn mi ’n gealladh sin ’nuair a bha mi ’n dùil gu robh mi bàsachadh.” “Rinn, agus ’s ann mar sin bu chòir dhuit seasamh ris,” arsa mhàthair, “a chionn gu bheil fhios agad an nise ciod an staid inntinn anns am bi thu ’nuair a thig am bàs ort, agus tha fhios nach eil ni a’s cinntiche na gu ’n tig e uair-eigin.” “Tha sin ceart, a mhàthair,” arsa Deòrsa, “glé cheart; agus so dhuibh mo làimh air, nach òl mi boinne tuille dheth fhad ’s is beò mi. Cha’n eil teagamh agam nach deachaidh so chur orm mar rabhadh air son mo dhroch chaithe-beatha: gabhaidh mis e mar sin, agus o so a mach, bidh mi cuibhteas an t-òl.” Agus sheas Deòrsa còir ri fhacal gus an latha ’n diugh.—Eadar o’n Bheurla. [TD 303] [Vol. 4. No. 38. p. 7] Thuit seana bhean a bha faisg air ceud bliadhna dh’ aois sios staidhir uair, ach cha d’ rinneadh dochann sam bith oirre. “O,” ars ise, “nach bu bhochd an gnothuch dhòmhsa nam bithinn air mo chas no mo làmh a bhristeadh, ’s gu’m bithinn nam chrioplach ri ’m bheò.” Tha iadsan aig ’m bu chòir fhios a bhi ag ràdh gur ann mar is sine ’n t-uisge-beatha ’s fhearr a bhios e. Bha dithis Eirionnach uair ag òl cuideachd, agus thòisich fear dhiubh air moladh an uisge-bheatha. “’S gasda ’n t-uisge-beatha sin,” ars esan ri ’chompanach. “Bheil fhios agad de cho sean ’sa tha e?” “Cha”, ’n eil,” ars am fear eile, ’se cur crioch air a chuid mu dheireadh dhe, “ach tha dearbh fhios agam agam gu bheil e cho sean ’sa bhitheas e.” Tha luchd-àireamh ag innse gu bheil ann am Breatuinn, deich mile ceann cruidh, da mhuillein dheug air fhichead caora, agus ceithir muillein muc. Tha da mhuillein each aig na tuathanaich leotha fhéin, agus tha aireamh mhòr a bharrachd air sin aig na h-uaislean air nach d’ thugadh cunntas. Thatar a meas gur fiach na tha de dh’ eich ’s de chrodh ’s de chaoraich anns an dùthaich air fad da cheud gu leth muillein pùnnd Sasunnach. (£250,000,000.) Tha ’n speuradair ainmeil, Sir Robert Ball, ag ranh ged dh’ fhàgadh peileir gunna an talamh ’se siubhal còig ceud mile ’s an uair, gu’n toireadh e ceithir muillein ’s coig ceud mile bliadhna a’ ruigheachd na té a’s fhaisge oirnn de na rionnagan suidhichte. Agus tha e ’g radh gu bheil cuid dhiubh cho uamhasach fada uainn ’s gu ’n toireadh am peileir ceudna còig ceud muillein bliadhna air an t-slighe ’g an ionnsuidh. Cha ’n fhaicear iad so leis an t-suil luim idir. Cogadh a bh’ ann roimhe seo, chaidh piobaire a ghlacadh leis an nàmhaid. “O! mo bheatha,” ars’ esan, “cha robh mi ’cogadh idir; cha do thilg mi saighead ’s cha do tharruinn mi claidheamh; cha d’ rinn mi dad idir ach a’ phiob seo a sheinn: ’s cinnteach a dhaoine nach marbh sibh mi. Leigaibh as mi le ’r cead.” “Cha leig,” ars’ na saighdearan neo-chàirdeal, “cuiridh sinn crioch air do bheatha, a’ chionn gu’n do sheinn thu air a’ phiob. ’S dòcha nach robh thu a’ cogadh, ach bha thu a’ togail inntinn ar nàimhdean ’n ar n-aghaidh agus leis a’ phiob bha thu ’g am brosnuchadh gu mire-chatha.” G. G. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 304] [Vol. 4. No. 38. p. 8] A Ghrian. Tha a ghrian do ’n t-saoghal nadurrach, mar a ta spiorad na beatha do mhac an duine. Is e a teas a tha a toirt fas do luighibh na macharach; agus nuair a sgaoileas i caoimhneileachd na maidne mu ’n cuairt di, bithidh gach creutair, beathail le a làthaireachd—suilbhir aig hearach le a tiodhlacaibh. Le a teas éiridh miltean de chuileagaibh sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eòin as an codal, agus dòirtidh iad a mach an ceileirean sunndach ann an co-sheirm chiùil nuair a mhothaicheas iad a blàths. Le mèilich bheir na treudan buidheachas airson teachd na maidne ciùine, agus innsidh am buar le’n àrd-gheumnaich an taingeileachd. Aithrisidh na gleanntan an ceòl ceudna, agus freagraidh na cnuic do’n fhonn. Bheir teas na gréine air gach luigh tha air aghaidh na talmhainn fàs gu h-ùrar agus gorm, còmhdaichidh e na craobhan le duilleachd, a mhachair le arbhar agus meas, na sléibhtean le buar agus treudaibh, agus cridhe an duine le gàirdeachas agus taingeileachd. A réir cunntais nam feallasanach agus daoine foghluimte tha a ghrian deich ceud mìle uair ni’s mò na an talamh, agus ceithir fichead ’s a deich muilliona de mhìltibh air astar uaith. Nuair tha i fada gu deas tha an la goirid, agus an aimsir fuar againn ’s an eilean so; ach an uair tha i pilltinn gu tuath tha ar là a fàs fada, agus tha blàths au t-samhraidh ag ath-ùrachadh gach luigh mhaoth a shearg, agus gach craobh a lòm gaoth reòtaidh a gheamhraidh. Smuainichidh sluagh neo-fhoghluimte gu bheil a ghrian ag éiridh ’s an aird an ear agus a dol fodha ’s an aird an iar, do bhrigh nach eil iad a tuigsinn gu bheil an talamh a tionndadh mu ’n cuairt, no a cur car dheth air a roth aon uair ’s na ceithir uairibh fichead, agus le so a nochdadh na grèine do shùilean an duine mar gu’m biodh i ag éiridh ’s an aird an ear agus a luidhe ’s an aird an iar gach uair a ta an talamh a cur car dheth air an dòigh so. Tha cuid de na reultaibh tha sgeadachadh aghaidh nèimh le sgèimh ghrìnn mòran ni’s mò na an saoghal so, agus tha daoine foghluimte am barail gu bheil cuid diubh air an àiteachadh le creutairibh tuigseach cosmhuil ruinn fein. Tha oibre Dhé ro-lìonmhor agus iongantach. Cha’n urrainn do chreutair cruchaichte an tuigsinn no an àireamh. Tha an cunntas os cionn gach ni air an urrainn da smuaineachodh, agus tha an gliocas a dhealbh, agus an cumhachd a ta ’g an cumail suas, ro-iongantach thar eòlas chloinn nan daoine. Nuair a dh’ amhairc Daibhidh air oibribh mòra agus glòirmhor an Tighearna, thubhairt e, “Cuiridh na neamha an céill glòir Dhé, agus nochdaidh na speura gniomh a làimh. Tha là a deanamh sgéil do là agus oidhche a foillseachadh eolais a dh’ oidhche. Cha’n eil cainnt, cha’n eil briathra anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a mach, agus am focail gu iomall an domhain. Do’n ghréin chuir e pàilliun annta; agus tha i mar fhear nuadh-pòsda a teachd a mach a sheòmar; ni i gàirdeachas mar ghaisgeach a ruith a shlighe. Tha dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an crìochaibh; agus cha’n ’eil ni air bith a dh’fholaichear o a teas.” Tha am bàrd againn fhein, Oisean, a labhairt mar so mu’n ghréin:— An d’ fhàg thu gorm-astar nan speur? A mhic gun bheud, a’s or bhui’ ciabh! Tha dorsa na h-oidhche dhuit réidh, Agus pàilliun do chlos ’san iar! Thig na stuaidh mu ’n cuairt gu mall, A’ choimhead fir o’s gloine snuaidh; A togail fo eagal an ceann, Ri d’ fhaicinn cho àillibh ’n ad shuain, Theich iadsa gu tuar o ’d thaobh; Gabhsa cadal ann ad chòs, A Ghrian! is till o d’ chlos le aoibhneas. Deiseachan Deante, Aodaichean dhe gach seòrsa, Leintenn, Adan agus Brogan Fhirionnach aig D. J. Domhnullach. An aon stòr ’sa bhaile nach eil a cumail dad ach Còmhdach Fhirionnach. ’S còir dhuit taghal a stigh. Cha’n eil air a bhiadh mhaith ach fheuchainn. Is fada bu choir dol a dh’ amharc fear nach fhaigheadh bean. Na h-aimhnichean a traoghadh ’s na caochanan ag at. Cha tig an cota glas cho maith do na h-uile fear. Is uaisle toll na tuthag ach ’s fhearr tuthag na toll. Feumaidh burn a bhi far am bathar gamhuinn NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 305] [Vol. 4. No. 39. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 4, 1896. No. 39. Litir a Alba. “Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho friogadach; Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA—Is math a’s aithne dhomhsa “Iain,” agus gu cinnteach rinn mi gàire no dha an uair a leugh mi an litir anns an d’ innis e mu na tubaistean a dh’ eirich dha an uair a bha e ann an taigh an duin’ uasail air a dhinneir. B’ aithne, dhomh “Iain” o’n a bha e ’na ghille òg. Bha e na dhlùth chompanach dhomh. Mar bu trice bhitheamaid reidh gu leòr, ach is minic a thàinig facail eadrainn. Cha b’ ann aon uair no da uair a thug mi deadh chaineadh dha ann an clàr an aodainn ach cha ghabhadh e gu h-olc ni sam bith a theirinn ris. Bha làn fhios aige gu ’m bu toigh leam e; agus air an aobhar sin dh’eisdeadh e rium gu ciùin, foighidneach. An uair a leugh mi an litir, chuir mi romham gu rachainn far an robh e agus gu feòraichinn deth car son a sgrìobh e an litir; oir bha fhios agam gu robh e ni ’b fhearr modh agus tùr na gu ’n deanadh e na nithean a dh’ ainmich e. Coma co dhiubh, ràinig mi. Chuir e fàilte orm gu cridheil mar bu ghnàth leis. Thug mi am mach a’ phiob as mo phocaid agus las mi i. Gabhaidh esan ceòthan de ’n phiob an dràsta ’sa rithist, agus an uair a chunnaic e mi ’lasadh na pìoba, thug e làmh air a’ phìob aige fhein, agus lion e i de thombaca pronn, bàn, car coltach ri bàrr a’ bhrisgein. Am bheil fhios agad air so? Cha chuirinn-sa suas aon latha leis an t-seòrsa tombaca ud. Bu cheart cho math leam teannadh ri smocadh càth mhòr an sgiollaidh ri bhith ’ga smocadh. B’e aon ùnnsa a cheannaich mi riamh dheth, agus loisg e mo theangadh. Ach is e so an tombaca a bhios na h-uaislean a’ smocadh. Coma leat! Thòisich mi fhèin is “Iain” ri bruidhinn a null ’s a nall mu chaochladh nithean. Arsa mise ris, “Ciod a thug ort an litir ud a sgrìobhadh thun a’ MHIC-TALLA? Nach tu a bha as do chiall an uair a sgriobh thu a leithid de litir? Nach bu ghòrach an gnothach dhut fhein teannadh ri innseadh do luchd leughaidh a’ MHIC-TALLA, mar a dh’ eirich dhut? Am bheil fhios agad gu bheil am MAC-TALLA aìr a leughadh air feadh ceithir Ranna, Ruadha an t-Saoghail? Is iomadh latha a throid mi riut; ach cha do shaoil mi riamh gu robh thu cho gòrach ’s gu ’n innseadh tu do shluagh an t-saoghail a h-uile tubaist a dh’ eirich dhut. Am bheil cuimhne agad air an t-sean-fhacal a tha ’g radh “Is fhada bhios fear o’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.” Bha “Iain” greis ’na thàmh. Mu dheireadh fhreagair e, agus thuirt e,—“Ma ta, ’charaid, ma chuir an litir ioghnadh ort-sa, chuir i a’ cheart uidhir a dh’ioghnadh orm-sa. Tha còrr is fichead bliadhna o’n a sgriobhadh an litir a dh’ionnsaidh paipear-naigheachd a bh’ ann an Inbhirnis, do ’m b’ ainm An t-Ard-Albannach. Ged is e mise ’sgriobh an litir, cha b’ ann domh a dh’eirich na tubaistean idir. Dh’eirich iad do dhuine laghach air an robh mi eòlach. Chaidh e far an robh mi, agus dh’ iarr e orm an litir a sgriobhadh air a shon. An uair a bha i sgriobhte, cha robh e ’deònach ainm a chur rithe. A nis, mar a tha fhios agad fhein, cha ghabh na pàipearan litir no naigheachd sam bith, mur bi ainm an duine a sgriobh i aig bonn an sgriobhaidh, no an duilleig eile, far am faic an deasaiche e. An deigh dhomhsa greis mhath de ’n oidhche chur seachad a’ sgriobhadh na litreach, thuirt mi rium fhein, gu’m b’ fhearr dhomh m’ ainm a chur rithe. Ach nam b’e an diugh an de dhomh, is dòcha nach do chuir mi m’ ainm rithe fhathast. “Mar a chò chaidhidh.” Cha robh uiread is cuimhne agam gu ’n do sgriobh mi riamh i, gus an do leugh mi m’ ainm fhein aig a bonn. Sin agad an tul-fhirinn air a h-innseadh dhuit, a charaid. “Ach cia mar a fhuair am MAC-TALLLA greim air an litir.” arsa mise. “Cha ’n ’eil fhios agamsa.” ars “Iain.” “Tha iomadh ni air aithris anns na paipearan a chuireadh ioghnadh air duine sain bith. Tha sùilean is cluasan air luchd nam pàipearan a tha iongantach. Cha chreid mi nach ’eil iad, mar a’s trice cho math claisneachd ris an fhear a chluinneadh am feur a’ fàs.” “Tha deasaichean nam paipearan an comhnuidh deònach greim ’fhaotainn air gach naigheachd a shaoileas iad a chòrdas ris an luchd-leughaidh,” arsa mise. “Tha mise coma ged a bhiodh daoine ’faotainn beum dhomh fhad ’s a bhios m’ inntinn fhein ag innseadh dhomh gu bheil mi ’feuchainn rìs an ni a tha ceart a dheanamh. Is ann a chum toileachadh agus fiosrachadh a thoirt do dhaoine eile a tha mi ’sgriobhadh. Ach tha fhios agam nach urrainn mi a h-uile duine a thoileachadh. Cha’n urrainn an Tì a tha uile-ghlic agus uile-fhiosrach a h-uile neach a thoileachadh. An rud nach urrainn Esan a dheanamh, cha ruig mise, no mo leithid, a leas feuchainn ris. Sin agad mar a tha mise ag amharc air cùisean, ars’ “Iain.” “Tha thu ceart gu leòr, a charaid,” arsa mise. “Is e comharradh an dearg amadain teannadh ri toileachadh nan uile. Ma bhios tu fhein ’s do chògais réida ri ’chéile faodaidh tu a bhith coma ged a bhiodh earrann mhòr de shluagh na dùthchadh diámbach dhiot.” Sin agad mar a bh’ eadrainn. Sgriobhaidh mi thugad fhathast mu ’n mu ’n teirig ri t-earrach. Is mi d’ fhìor charaid. BODACHAN A’GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha Fheill Pàdraig. [TD 306] [Vol. 4. No. 39. p. 2] NA SITHICHEAN. Feudaidh sinn ainmeachadh gu robh ar n-athraichean gu mor air an toirt gu bhi geilleadh do shaobh-chrabhadh. Bhiodh iad gu tric (na ’m beachd fein) a faicinn nan cnoc fosgailte air feadh na h-oidhche, agus ceol, danns, agus fleagh ’dol air adhart a stigh. A reir a chunntais tha againn air puirt nan daoine sith (bho’n tha mi duilich innseadh dhuibh nach do chuir iad uiread de urram ormsa ’s gun cuala mi riamh iad) tha e coltach gu robh uiread de bhuaidh-tharruing anns a cheol aca ’s a bha an ceoldruidheachd eilein “Muir-Meadhon-tire” mu ’n do labhair “Homer” ann an eachdraidh “Ullisseis.” Tha beulaithris ag innseadh dhuinn gu ’n deach muinntir iomadh uair a steach do’n bhruth agus mar sin gu’n do chompairtich iad ann an aghmhorachd nan cnoc. Tha e coltach gu robh neach a gheibheadh a steach a call a’ chuimhne air gach caraid agus uile nithean talmhaidh—mar a thuirt am bard— Mi mar neach do’n bhruth a thàradh ’Chomuin danns nan sithich airsidh Nithean talmhaidh thigeadh sgail orr’ ’S mile la mar mhionaid leis. Tha ’n seanachas a leanas a toirt beachd dhuinn air cho goirid sa dh’ fhairicheadh muinntir Celidh a bhruth. Bha dithis bhraithrean ’dol dhachaidh le soitheach uisge-beatha air muin an dara fir. Chunnaic iad am bruth fosgailte agus a cluintinn a chiuil cha ghabhadh fear an uisge-bheatha ’bhi air a chumail gun dol a steach. Bha e danns’ an sin le “Macnabraich” air a mhuin gus an robh a bhrathair dol seachad air a chnoc bliadhna an deigh sin, agus bha ’n dorus fosgailt (mar a dh’ fhag e iad bliadhna roimh sin—a danns agus a’ ceol). Ghrad leum e steach agus thug e spionadh air a bhrathair amach. “Gu ma h-olc dhut” ars esan—“carson nach do leig thu dhomh aon ruidhle a’ dheanamh.” Bhiodh na sithichean mar an ceudna ’togail chloinne bho mathraichibh agus a cur spioradan na ’n aite—aig am biodh ciocras agus call neochumanta do’n bhiadh, gidheadh gun phiseach sam bith faicsinneach orra gu corporra. Bha bean ann bho chionn aireamh mhaith bhliadhnachan agus bha làn amharus aice gur e spiorad de’n t-seors ud a bha aice an àite a leanabh fein. Chaidh i shealltuinn air seann duine glic a bha sa bhaile airson comhairle fhaotainn: “Rach dhachaidh,” ars am bodach, “ agus dean cruathachadh eorna ann am poit air an teine agus a h-uile tionndadh a ni thu air dean tuathal e gus an dean thu bonnach dheth agus an sin cuiridh tu leac na muilne ris ga bhruich, gabh a ris do chathair, suidh ann, agus ith an t-aran le do chulthaobh ris an teine.” Bha an leanabh a faicinn so uile agus ’s ann a chuala bhean a naoidhean ag radh air dhi bhi direach air sgur a dh’itheadh a bhonnaich. “Bha mise 750 bliadhna ann an creagan Dhonnachaidh mhic Thormaid agus leithid deasachaidh na h-oidhche nochd cha’n fhaca mi!” Thug na briathran so dearbhadh dhi gu’m b’e “duine-sith” a bha i ’g altrum. Thilg i do’n amhainn e, agus nuair a rainig i an tigh bha leanabh fein aice. Chuala mi aon seanachas a tha toirt fios dhuinn gu robh iad (na sithichean) a dol an dail dibhe. Se so e. Bha bean araidh an comhnuidh a toirt iasad de choire mor a bha aice do na sithichean a bha tamh ann sa choimhearsnachd airson a bhi bruich am bidh. Bha te de na “maighdeanan-sith” ’tighinn air toir a choire h-uile feasgar agus bha ’bhean ga thoirt dhi, aig an am cheudna ag canntuinn ris a bhoirionnach-sith—“Dleasaidh coire cnamh ’s a chur slàn gu teach.” Thigeadh i leis a choire gach oidhche ach troimh am leisg aon latha cha do ghabh a bhean an rann, agus cha do chuireadh dachaidh an coire. Sgiurs fear-an-tighe i do’n bhruth air toir a choire agus nuair a rainig i steach cha robh ann ach da bhodach agus cù dubh ceangailte. Ars an dara bodach ris an fhear eile nuair a chunnaic iad i falbh leis a choire (gun focal a labhart)— A bhean ud ’s a bhean bhalbh Thaing thugainn à tir na marbh Thug i leatha ’n coire na cruth Fuasgail an dubh ’s leig an dearg Stig iad an cù innt’ agus mharbh. Bhiodh mar an ceudna banachaigean a doirteadh bainne air na cnuic-shith gus nach marbhadh iad an crodh leis an t-saighead-shith. ’Sann uaine bhiodh an t-aodrch aca an còmhnuidh, ach ghabhadh iad olcas nuair a chuireadh duine sam bith culaidh uaine no ghorm air. Tha na Gaidheil a cumail a mach gur e dath aodach nan sithich bhi air aodach Dhundee a dh-aobhraich gun do chaill iad blar Choille Chragaidh.—FEAR NAN SGEUL, ’sa Highland News. Ceart mar a b’ Abhaist. Tha mi creidsinn, tha e ’g radh, gu’m bheil moran Ghaidheil anns an duthaich so a dh’ ’fhag Albainn ’nan oige a chuala iomradh air an Urramach, Maighstir Lachlunn MacCoinnich, ministeir Lochcarroin, ann an Siorramachd Rois. Cha’n ’eil fhois—ged nach ’eil a gle choltach—nach fhaod neach no dha a bhi fhathast beo ann an Canada a chunnaic e ’na laithibh aosda, agus a dh’ amhairc air a ghnuis, ’n uair a bhitheadh i a dealradh le eud durachdach anns a chrannaig ’s e cur an ceill firinn ghlan an Fhocail. Tha e air innseadh gu’n do shearmonaich e aon uair air a pheacadh mor sin, a bhi ’g innseadh bhreug. Thug e comhairlean d’a luchd eisdeachd a dian-sparradh orra an fhirinn innseadh ’s na h-uile cuis, ’s air gach doigh oir b’e’n dleasdanas sin a dheanadh; b’e an ni a b’ fhearr a dhiongadh ’s an t-saoghal so, agus a b’ fhearr a sheasadh ri aghaidh siorruidheachd. Bha na briathran a buntuinn ri cogais aon duine a bha lathair a bha smuaineachadh air iomadh breug a dh’innis e ’na la, ’s a bha de’n bharail nach robh e comasach do dhuine faotainn troimh ’n t-saoghal gu’n breug bheag, gheal an drasd ’s a rithist. A thuilleadh air a sin, cha robh e faicinn moran cron anns na breugan beaga sin. Ach chaidh e far an robh Mr. Lachlunn a dh’fheorachadh dheth mu’n chuis. B’e “smugalair” a bh’ann; ’s e sin ri radh, bhiodh e ri grudaireachd gu tric, agus mar sin gu tric a’n cunnart oifigeich na rioghachd a bhitheadh daonan air toir luchd-briseadh an lagh. Ars’ esan ri Mr. Lachlunn, “Am bitheadh e cearr dhomh an gaidsir a chur bharr a lorg le breug bheag ’n am bitheadh e air toir bracha?” Cha b’urrainn Mr. Lachlunn cead a thoirt dha eadhon sin a dheanadh, agus thug e comhairle chruaidh dha cumail ris an fhirinn ’s gu’n eireadh gu maith leis. Cha robh e fad’ an deigh so gus an robh an “smugalair” air a chuir air fhacal. Air an ath sheachduinn thainig an gaidsir air a chuairt, ’s thubhairt e ris an duine mar a b’abhaist, “Am bheil a bheag de dh’ uisge-beatha no braich agad an diugh?” Chuimhnich an [TD 307] [Vol. 4. No. 39. p. 3] duine briathran a mhinisteir, agus fhreagair e gun dail, ach le teagamh ’na chridhe, “Tha tri baraillean uisge-beatha agam air uir tharruing, ’s tha iad air am folach ann an aite ’chaidh ’dheanadh air an son fo mo leabaidh. Ma dh’ fheuchas tu fein ann an sin gheibh thu iad.” “A shloighteire,” ars’ an gaidsir, “’n ann a deanadh amadain dhiom a tha thu? nam biodh uisge-beatha agad am folach, ’s tu an neach mu dheireadh a dheanadh casaid.” Le sin dh’fhalbh e, agus ’n uair a bha e cho fad air falbh ’s nach cluinneadh e guth, agus ’n uair a bha uine aig an “smugalair” coir anail a tharrainn, ghlaodh a mach, “O, Mhaighstir Lachluinn, Maighstir Lachluinn! Bha thu ceart mar a b’ abhaist!”—Scottish Canadian. AN T-EASBUIG SELWYN. (Air a leantuinn:) Bha e ’cumail sgoile an “Kohimarima,” faisg air àite-còmhnuidh an easbuig, air son foghlum a thoirt do chloinn dhubha a bha e toirt as na h-eileanan. Bha iad air an cur dhachaidh dha ’n àiteachan féin gach geamhradh; bha ’n dùthaich so tuilleadh us fuar dhaibh. Bhiodh iad ann mu leth-cheud an àireamh. Aon uair thainig da phàisde òg nighinn am measg chàch. Cha robh tuilleadh ’sa chòir dhe’n aodach orra, agus chaidh an t-easbuig a dh’ obair agus rinn e éideadh dhaibh de chuibhrig uachdrach a leapa féin. Bha e ’na thàillear math, ’s ghearr e an t-aodach ’s dh’ fhuaigh e h-uile grein dheth. Rinn e so air bòrd an t-soithich, “Crois” a bha aige air son a chlann dhubh a thoirt air ais ’s air adhart dha’n sgoil as na h-eileanan. Anns a bhliadhna 1867, bha an sgoil so air a cur gu eilean Norfolk; bha ’n aimsir an sin ni bu fhreagarraiche do na gillean a bha tighinn á àiteachan tetha. Chaidh easbuig eile de’n ainm Patterson a thaghadh air son nan eileanan, agus bha eilean Norfolk na àite còmhnuidh aige. Chaidh esan a mharbhadh beagan an deigh sin. Bha ’n t-easbuig Selwyn a rithist an Auckland. An deigh sin chaidh a ghairm gu Sasuinn, ach an toiseach dhiùlt e muigh ’sa mach sin a dheanamh. Bha a chridhe an New Zealand far an robh e ’faicinn moran obrach fhathast ri dheanamh, agus far an robh a chòmhnuidh fad chòig bliadhna fichead. Chaidh an sin òrduchadh gu Lichfield, far an robh mèinnean agus obair iaruinn, agus moran de shluagh bochd. Bha Selwyn na fhear-teagaisg nach cùmhnadh e féin, agus a bha làn iarrtach air math a dheanamh. Sheas e treis mhath an aghaidh dhol air ais gu Sasuinn, ach mu dheireadh thug e aonta. Thuirt e gu feumadh esan a bhi umhail cho math ri duine sam bith eile. Bha e fo riaghladh Ard-easbug Canterbury, agus na ban-righ, s b’e ’dhleasanas a bhi umhail dhaibh. Chaidh e dhachaidh anns a’ bhliadhna 1868. Bha mi féin am baile mor Auckland an latha dh’ fhalbh e. Bha sluagh mor cruinn air an laimhrig air son soraidh a thoirt da. Bha carbad greadhnach air ullachadh air son a ghiùlan dh’ ionnsuidh an t-soithich smùide, ach cha rachadh e ann idir. Ghabh e carbad beag, ceithir-chuidhleach, a bhuineadh do thé de na bùithean agus a thainig ’san rathad aig an àm. Cha robh mor-chuis idir ann. Bha glaodh cridheil air a dheanamh ris air an laimhrig le iomadh neach a bha glé mhuladach ’ga fhaicinn a falbh. Bha an t-easbuig uair a’ dol a shearmonachadh ann na eaglais anns sn robh e mar chleachdadh gu feumadh gach duine pàigheadh aig an dorus mu’m faigheadh e stigh. Thug e so fa-near, agus cha do chòrd e ris idir. Bha moran de shluagh bochd a chuala cliù air an easbuig, air tional, nach b’ urrainn pàigheadh, agus a bha uime sin air an dùnadh a mach. Ach ’nuair a thainig àm an t-searmoin, chaidh an t-easbuig a mach do ’n sgàth-thigh, agus as a sin shearmonaich e dhaibhsan a bha mach aig an aon am ’sa shearmonaich e dhaibhsan a bha stigh. Cha robh riaghailt sam bith a dol ’ga chumail o shearmonachadh do na bochdan cho math ris na beairtich. Chuala mi féin e teagasg aon uair agus gu dearbh bha e comasach, agus bu taitneach a bhi ’ga éisdeachd. Bha so aig àm fosglaidh eaglais ùr a chaidh a thogail aig an Thames, far an robh méinnean òir air an ùr fhosgladh, mu leth-cheud mile bho bhaile Auckland. Ghabh e mar cheann-teagaisg, Col. II. 3; “Anns am bheil uile ionmhasan agus eòlas folaichte.” Labhair e air na briathran “Ionmhasan Folaichte.” Bha air a’ bhliadhna sin bochduinn mhòr ann am baile Auckland, agus ’s ann a dol na bu mhiosa bha i, gus an deachaidh na mèinnean òir so fhosgladh. Thug sin fuasgladh mor do mhuinntir a bhaile sin ’s na dùthcha mu’n cuairt. Labhair an t-easbuig ag radh nach robh ionmhasan folaichte air an toirt ris cearta còmhla, ach bho àm gu àm mar a chitheadh Dia iomchuidh sin a dheanamh. Cha d’ thainig e idir thairis air an òr, ach dh’ aithnicheadh duine sam bith gur h-e ’n t-òr a bha e ciallachadh. A rithist thug e iomradh air daoine mar a nochdas cuid dhuibh deagh bhuadhan a tha annta a lion beagan us beagan mar a chuirear eòlas orra. Rinn e ’n t-searmoin a cho-dhrùnadh le iomradh a thoirt air na Maories. Ged a chaidh iad iomrall, thachair cuid dhiubh ris anns an d’ fhuair e “ionmhrsan.” Bhiodh na Maories gu tric air aire. Thug an cor bristeadh-cridhe mor dha. Ged tha seachd bliadhna fichead o’n chuala mi an searmon ud aig an Thames the cuimhne agam air na cinn a bh’ aige gus an latha ’n diugh, agus bithidh fhad ’s is beò mi. Bha e ainmeil air son a chinn-theagaisg. Bhiodh iad cho freagarrach air an am ’s air an àite. An àm a chogaidh shearmonaich e gu tric ochd uairean ’san latha, agus ceann-teagaisg ùr agus freagarrach aige gach uair. B’e fear de dhaoine ainmeil a linn ’s a latha, agus tha ainm cùbhraidh ann an iomadh àite. Chaochail e ’sa bhliadhna 1879, aig aois tri fichead bliadhna ’sa naodh. Bha moran tuilleadh agam ri innse mu dheibhinn, ach tha ’n eachdraidh nis air a leantuinn cho fada ’s gu’n toir mi gu crich i. Is mi ur fior charaid. IAIN ROTHACH. “AM FAIGH A GHAIDHLIG BAS?”—Cha’n ’eil e gle choltach aig an am so, ’n uair a tha co minic oidheirp dhurachdach air a dheanadh air a sgath. Aon do na gaisgeich a’s foghaintiche air a taobh, ’n ar laithne, is e Mr. Mac Bheathain ann an Ionarnais. Tha e an deigh obair mhor a choimhlionadh air a son, le ’bhi ’cur a mach Foclair Gaidhlig a tha neo-chumanta ionnsaichte, agus a tha tabhairt dhuinn mor-eolas air freumhan, agus tobraichean ar cainnt ghaolaich. Cha ’n eil duine am measg Ghaidheil an la diugh a tha air a mheas cho comasach ri Mr. Mac Bheathain air son saothair de’n t-seorsa so agus tha ’n leabhar a reir na h-uile iomradh, airidh air cliu ionmholta. Is cinnteach gu’m bi reic math air an leabhair luachmhor so, ’s gu ’m bi feum math air a dheanadh dhi leosan a cheannaicheas i. [TD 308] [Vol. 4. No. 39. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APRIL 4, 1896. Tha cheannairc a sior dhol air adhart ann an Cuba. Tha an t-eilean bòidheach iin, eilean a tha gu nàdurra cho torach ’s cho beairteach ri àite sam bith air an t-saoghal, an imis a bhi air a dheanamh na fhàsach. Tha na ceannaircich, a reir gach sgeòil, a faotainn a chuid is fhearr dhe ’n t-strith; tha iad a’ cur nan Spàinnteach gu mor nan éigin. Tha an Spàinn gu trom ann am fiachan, agus cha ’n urrainn di mar sin a neart bu mhath leatha chur an aghaidh nan Cubach Mu tig car eile ’sa chùis an ùine ghoirid. Cha ’n eil ni a’s coltaiche na gu ’m bi Cuba air a chall do ’n Spàin, ’s air a chur suas mar dhuthaich dh’ héin. Bi ainmean na feadhnach a phàigh am paipear air a mhios so ’dh’ fhalbh anns an ath àireamh. Bu chòir iad a bhi ’san àireamh so fhein, ach rinn sinn dearmad orra gus an robh e tuilleadh us anmoch. Ma chuir neach sam bith pàigheadh ugainn agus nach d’ thug sinn creideas dha air a shon, cuireadh e fios ugainn agus ni sinn sin a chur ceart ma ’s urrainn duinn. Thuirt am Morair Tagraidh ann am Pàrlamaid Bhreatuinn an la roimhe nach robh soirbheachadh mor sam bith leis na croitearan a chuidich an Riaghladh gus a dh’ol a mach dh’ an Iar-Thuath. ’S ann gle ainneamh a shoirbhichas sluagh a gheobh cuideachadh anns an dòigh sin. Gheobh iad air adhart na ’s fhear ann an duthaich ùir ma bhios aca ri earbsa asda fein. EACHDRAIDH NAM FRISEALACH.—Chuir caraid ugainn caibideil no dha dhe ’n leabhar so, a tha nise beul ri bhi mach. Bu mhath leinn an clo-bhualadh, ach cha cheadaich meud a phaipear sin a dheanamh. Tha ’n eachdraidh air a sgriobhadh le Alasdair Mac Coinnich, ann an Inbhirnis, a tha cheana ainmeil mar Fhear-eachdraidh nam fineachan Gàidhealach. Sgriobh e roimhe so eachdraidh Cloinn Choinnich, Cloinn Dònuill agus àireamh de na fineachan eile. Cha ’n eil teagamh nach bi na Frisealaich anns gach cearna dhe ’n t-saoghal toilichte an eachdraidh fhaotainn, agus gu ’n nochd iad an comain do ’n ughdar le bhi ’ga ceannach. Tha Ruisia bho chionn àireamh bhliadhnaichean ag obair air deanamh rathad-iaruinn troimh Siberia. ’Nuair a bhios e ullamh, theid aice air eadar leth-cheud us ceud gu leth muillein buiseal cruithneachd a reic ri duthchannan eile a h-uile bliadhna. Tha mòran de dh’ fhearann Ruisia anabarrach math air son togail cruithneachd. Tha an cruithneachd gle shaor ’s na bliadhnaichean so, ach ’nuair a thòisicheas Russia air cur dh’an mhargadh, fàsaidh e mòran na’s saoire. Tha àireamh mhor de mhuinntir Shiria suidhichte ann an Quincey, Mass. Is iochdrain iad do Shultan na Tuirce, agus fhuair iad òrdugh uaithe o chionn ghoirid a dhol dhachaidh gus a dhol dh’an arm aige. Cha robh toil aca sin a dheanamh, agus uime sin, tha iad a’ dol a sgur a bhi ’ga aideachadh mar uachdaran, agus tha iad gu bhi o so a mach nan iochdarain do na Stàitean. Chaochail Beniamin Franklin ann am Philadelphia o chionn còrr us ceud bliadhna. Rinn e tiomnadh mu ’n do chaochail e, agus am measg nithean eile, dh’ fhàg e mile dolair aig baile Bhoston. Bha ’n t-airgead ri fhàgail air riabh gu ceann ceud bliadhna, agus anns an uine sin dh’ fhàs an aon mhile gu bhi ’na cheud us aona mile deug. A dh’aindeoin gach cosgais a tha air Breatuinn air a bhliadhna so, a dh’aindeoin gach soitheach-cogaidh us eile a tha i togail, theid aice air coig muilleinean fichead a chur a phaigheadh na h-ainbhfheich. Cha ’n eil duthaich air an t-saoghal an diugh aig am bheil uiread teach-a-steach ri Breatuinn. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 309] [Vol. 4. No. 39. p. 5] NAIDHEACHDAN. Rinneadh còrr us da mhile pòsadh ann an Nobha Scotia an uiridh. Bha nighean bheag, Nic Gilleain, ann am Baoghasdal, còmhla ri cloinn eile a’ cluich le sleighe bheag an latha roimhe, agus air dòigh-eigin chaidh bior-fuilt an sàs ’na cois, agus thug e a bàs. Bha muinntir Louisburg a’ taghadh fear-comhairle Di-sathairne s’a chaidh. Fhuair Le Vatte a stigh le seachd fichead bhòt ’sa dha dheug, sia deug a bharrachd air na fhuair O’Toole, a bha ruith ’na aghaidh. Tha carbad-iaruinn an drasda ruith eadar Sidni agus Sidni a Tuath da uair ’san latha. Leanaidh e air ruith gus an tòisich am bàt-aiseig, agus tha e ri bhi ruith mar sin gach geamhradh an deigh so fhad ’sa bhios an acarsaid dùinte. Tha duiue beairteach ann am Montreal, Uilleam C. Domhnullach, an deigh leth muillein dolair a thoirt do Oil-thigh McGill. Thug e roimhe so da mhuillein dolair do’n Oil-thigh cheudna. Rinn Mr. Domhnullach a shaoibhreas air an tombaca. Thuit fear Tomas Hinch eadar da charbad-iaruinn ann a Halifax, Dior-daoin air an t-seachdain ’sa chaidh. Chaidh a dha chois agus te dhe lamhan a chur dheth, agus bha a chorp air a dhroch shracadh. Chaochail e an ceann da uair anns an ospadal. Bha da stoirm shneachda ann air an t-seachdain so, Di-màirt agus Di-haoine. Thuit cnap math sneachda Di-màirt; ach dh’ fhalbh a chuid bu mho dheth mu’n d’ thainig an stoirm an de. Cha’n eil sinn buileach cuibhteas an geamhardh fhathast. Tha moran de na paipearan-naigheachd a deanamh a mach gu’m bithear a’ taghadh Parlamaid ùr ann an Canada toiseach an ògmhios (Iun). Cha’n eil sin ach da mhios air falbh, agus cha’n fhada gus am feum iadsan a tha gu bhi ’san t-stri a bhi ’dol ’nan uidheam. Chaidh tòrradh thairis air an deigh eadar an t-Eilean Mor ’s am Bras d’ Or Beag aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus da fhichead each us sleighe ann. An la’r-na-mhaireach bha an t-uisge fosgailte far an deach iad thairis. Bha an deigh air falbh gu buileach. Tha duine ann am baile Halifax an dràsda a choisich a h-uile ceum thairis eadar an Cuan Ciùin agus an Atlantic, astar ceithir mile de mhiltean. Thug e nall botull beag lan de shàl as a Chuan Chiùin agus an la roimhe dhòirt e anns an Atlantic e, mar gu’m b’ eadh a’ “pòsadh nan uisgeachan.” Fhuaireadh Còirneal Amyot, aon de na fir-pàrlamaid a bh’ aig Cuibeic ann an Ottawa, marbh ’na leabaidh am baile Chuibeic, ’sa mhaduinn Di-luain s’a chaidh. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bha e ’na fhear-parlamaid o chionn chòig bliadhn’ deug. Bu Chonservative e, agus bha e ’leantuinn gu dlùth ri Sir Iain Dòmhnullach ’nuair a bha e beò. Tha fios á St. John’s, Newfoundland, ag radh gu bheil e coltach gur i bhliadhna so bliadhna cho fad air ais a thaobh iasgach nan ròn ’sa bh’ aca o chionn fhada. Mu’n àm so ’n uiridh bha tri cheud gu leth mile ròn air an glacadh, ach am bliadhna cha do ghlacadh ceud mile fhathast. Tha iomadh sgiorradh a tachairt do na soithichean. Chaidh ceithir no còig dhiubh a chall, agus tha feadhainn eile air an droch mhilleadh. Chaidh fear Tearlach Boudrot, a bha na mheat air an t-soitheach Patriot, a bhàthadh faisg air beul acarsaid Halifax Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh a thilgeadh thar bòrd le te de da slatan. Rinneadh gach dichioll air a shàbhaladh. Chaidh ròp a thilgeadh g’a ionnsuidh, agus fhuair e greim air, ach ’nuair a bhatar ’ga tharruinn a stigh chaill e ghreim agus chaidh e fodha. Bha e tri fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Bha e pòsda, agus dh’ fhàg e teaghlach. Chaidh Domhnull Caimbeal, bràthair do’n Urr. Calum Caimbeal, ministeir Strath-Alba, a mharbhadh le beum-sleibhe ann an Oregon, air an ochdamh latha dhe’n Mhàrt. Bha e aig an àm ’na leabaidh an tigh caraide dha, D. G. Domhnullach. Bha an tigh air a chur as a chéile, agus chaidh esan a mharbhadh, agus mar an ceudna nighean do Mhr. Domhnullach, a bha aig an àm a’ beothachadh an teine ’sa chidsinn. Thachair so mu leth-uair an deigh seachd ’sa mhaduinn la na Sàbaid. Fhuair a chuid eile dhe’n teaghlach as le ’m beatha. Bha an tigh air a thogail aig bonn bruthaich nach robh ro àrd, ach a bha gle chas. Thainig Mr. Caimbeal dh’an bhaile oidhche Shathurna a choimhead an Domhnullaich ’sa theaghlaich, agus mar sin chaill e a bheatha. Tha sgeul a bhàis na bhuille chruaidh dh’a chàirdean, gu h-àraidh dh’a mhàthair, a tha fuireach air a Chladach a Tuath, ’san eilean so, agus a tha nise ’na seann aois. BAIS. Air taobh deas Amhuinn Mhira, air an treas latha dhe’n Mhàrt, Mairi Dhomhnullach, ceithir bliadhna fichead a dh’ aois. Air Taobh Tuath an Eilein Mhoir, an tigh a peathar, air an naodhamh latha deug dhe’n Mhàrt, Iseabail Chaimbeul. Aig Kerrowgare, am Pictou, Domhnull A., mac do Iain I. Sutharlan, tri bliadhna fichead a dh’ aois. Ann am Mabou, air an fhicheadamh latha dhe’n Mhàrt, Iain Mac Raing, (mac Dhonnachaidh), da fhichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bha e ’na dhuine air an robh deagh chliù, agus gle mheasail aig gach duine bha eòlach air.—R. I. P. POSAIDHEAN. Ann am Malagawatch, an 25 latha dhe’n Mhárt, leis an Urr. Alasdair Ros, M. A., Niall I. Gillios, Orangedale, us Caorstaidh, nighean Dhomhnuill ’Ic Griogair, Malagawatch. Deiseachan Deante, Aodaichean dhe gach seòrsa, Leintenn, Adan agus Brogan Fhirionnach aig D. J. Domhnullach. An aon stòr ’sa bhaile nach eil a cumail dad ach Còmhdach Fhirionnach. ’S còir dhuit taghal a stigh. APRIL, 1896. 1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige). 2 Dior-daoin 3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda. 4 Di-sathairne. An Crtl mu dheir. 8.10 feasg. 5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge. 6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865. 7 Di-mairt. Fhuaireadh Canada, 1499. 8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann 1818. 9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747. 10 Di-haoine 11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi 1689. 12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg. 13 Di-luain. An Solus Ur. 0.9. maduinn. 14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835 15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich. 16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746. 17 Di-haoine. An Fheill Donnain. 18 Di-sathairne. An Fheill Mholis. 19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge. 20 Di-luain. A cheud chairteal, 6.33, fessg. 21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653 22 Di-ciaduin. Breth Sheu’s Ghreumaich 1765 23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661 24 Di-haoine 25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057. 26 DI-DONAICH. III. Di-donaich ’deigh Càisge. 27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad. 28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair, Righ Alba, 1124. 29 Di-ciaduin 30 Di-daoin. Blar Fontenoi, 1745. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 310] [Vol. 4. No. 39. p. 6] CEOL NAN GAIDHEAL. FHIR MO CHRIDHE,—Tha na gillean-truisirnis cho lìonmhor, falbhanach, ’s nach eil annas agam dhuit an turus seo. Mu ’n gann a dh’ aithrisear sgial-ùr, gheobhar air ais ás a’ Ghalldach e air na carbaid thoite ’s each, na ’eige de chlòth-dubh Chille-Math-Chùc; a bhuidheachas sin daibhsan, na gillean ceanalta, agus do ’n dealan a tha nis, ach beag anns gach baile. Mur teid mi chromadh air “a’ bhalg-thionail,” ma ta, cha’n eil fhios agam ciod a thairgeas mi dhut. Na ’m biodh tu làmh-rium ghabhainn port-a-bial dhut, bho ’n “Is tric a bha sinn, fhir mo chridhe, Gun phìob gun fhidhill a’ dannsa.” Cleas ioma rud eile, tha na puirt a’ dol air chall. Gheobhar, gun teagamh, mòran diubh an leabhraichean-ciùil, agus sin gu tric fo ainm Gallda. Ach c’àite bheil na facail a tha na camagan dubh ud a’ riochdachadh? Is cullaidh-ioghnaidh nach beag gu ’n leigteadh aog fuinn agus puirt a bha flaithin ’s an daoine bho linn gu linn ag éisdeachd ’s ag cluith mu seach air a’ chlàrsaich ’s air a’ phìob, gun urad ’s lorg am buinn fhàgail. Is ann de bhuaidhean a’ chiùil, mar is math tha fios agad, an ìnntinn a chur ionnan ’s thairis am plathainn éibhneis. As aogais nam facal a tha e ’riochdachadh, cha ’n eil ann ge tà, ach faileas—cha’n eil an inntinn, ach mar gu ’m b’ eadh, an nial-cadail; ach cho luath ’sa dh’aithrisear na ’chois na briathran, mosglaidh i ás a ceal, thig i ga h-ionnsaidh fhein, agus, na ’geal-fhaireachadh, blaisidh i gu riochdail air cupan milis a h-àidh. Is fior-thaitneach an rud an ceòl. Agus co a b’ fhearr a thuig sin na ar sinnsirean. Eadar a bhreith ’sa bhas, cha robh rud ris an cuireadh an Seann-Ghàidheal a làmh, aig a’ bhaile no bhuaithe, ag cuallach na spréidhe no ag àiteach an fhuinn, nach robh fonn no port freagarrach aige mu ’choinneamh. Ma ’s ann ag altrum an naoidhein mhaoth ’s an uchd, nach robh an Tàladh mùirneach aig a’ bhanaltruim, a chur gean a’s cadail air. Anns a’ bhuailidh a’ bleoghan na spréidhe, nach cluinnteadh “Gaol-ant-aghan” air bilean gach banaraich. Aig a’ bhrathainn, no cur àird air calanas, am biodh bean gun a Cronan fhéin. Latha-breith an oighre, nach rachadh a’ Phìob ath-ghléusadh a chluith cuairte air an Fhàilte chridheil, chùirteil an lathair an fhlath. Ma ’s ann ag cruinneachadh nan daoine, nach robh an Co-thional gu chur suas—cuimhneachan air buaidh-làraich, no ma dh’ fhaoite, air éucoir a rinneadh uair-eigin air a’ chinneadh. Ma ’s ann air astar mara no tire, a chumail an còrach riutha no thoirt a mach na h-aichmhealach, nach robh an Iorram no ’n Spaidsearachd ann a bheothachadh neart agus spéirid nan alt lùthmhor. Ma ’s ann ri uchd an nàmhaid, nach robh am Brosnachadh caithreamach, sùrdail ann, a dhùsgadh cuimhne air cruadal nan daoine bho ’n d’ thàinig iad. An tigh na féille, nach robh na puirt ruithleumach, mhireagach dhannsa ann, a dh’fhuadach smuairein ’s a dh’ altrum càirdeis. Agus an uair bu bhàs do ’n triath, nach robh an cumha tiamhaidh ga chur suas—a’ brùchdadh á grùnnd a’ chridhe—gach beag a’s mòr, sean a’s òg ag caoidh a chùil-thaice. An uair a chluinneas an Gàidheal, ’s e air aineol, ceòl na pìoba, ciod a tha toirt air a chridhe éirigh ris? An e binnead a’ chiùil? Is gann gur h-é, bìnn, leadarra ’s mar a tha e ach gu ’m beil e dùsgadh suas dha seann chuimhneachain air an àm a bha e an tir nam beann ’s nan gaisgeach. Tha ’chridhe a’ blàthachadh ris a’ cheòl agus le h-ath-ghuth ga fhreagradh:— “’Se siod am fonn a chuala mi An uair a bha mi òg.” Tha “An uair a bha e òg” ga h-ùrachadh na chuimhne. Chì e, mar gu ’m b’ann an sgàthan, Tir-nam-Beann. Chì e ìomhaidh a leannain dh’an do gheall e bhi tairis—a phiuthar-chridhe nach do thuig e riamh a gaol da—a bhràithrean—a chompanaich—a dhìlsean, ’s a chàirdean—an fhàrdach ’s an do rugadh e—gach béinn, a’s gleann, a’s coire, a’s coille, ’s ionad a b’ aithne dha, ’s gach ni a bha annta—chì e sin uile ’s athair, ’s e ’n dùil gu’m beil e faireachadh anail bhlàth a mhàthair ’s i ga thaladh gu beadarrach, mùirneach na h-uchd mar a b’ àbhaist! Creid mi, fhir mo chridhe, is culaidh e g’a chumail bho dhroch-stil. Cha ’n eil féum ’s an iomchoire; ach nach saoileadh tu gu ’m bu chòir an t-sheinn a theagasg do ’n òigridh anns gach sgoil ’s a’ Ghàidhealtachd? Nach tog thu do ghuth na h-aobhar? Cha ’n eil teagamh agam nach toirear feairt ort. Tha fhios agam gu ’m beil daoine còire air feadh na duthcha a bheir a chreidsinn air sluagh baoghalta nach eil ’s na puirt ach faoineis, rudan air bheag brìgh ’s gur còir an grad-leigeadh air dìo-chuimhne. Faodaidh iad a bhi ceart; ach air mo shonsa dheth, cha léur dhomh coire no dolaidh sam bith annta, ma ghabhar le cuibheas diubh, agus sin ’n an àm fhein. Dh’ fhaoiteadh cùnntas gun àirimh a chur fhathast cruinn de na puirt, na ’n rach’teadh seòlta mu ’n cuairt do ’n chùis. Tha moran an comas nan “Comunn,” na ’m biodh an toil ’s an dùrachd aca; agus gun dol fada bho ’n taigh, tha bean chòir ’s a’ bhaile seo, ’s na ’n rachadh i ceart air ghléus, chuireadh a’s chumadh i “gun phiob gun fhidhill” “a’ chléir fhéin ge sianta ’n còta,” air an ùrlar bho ’Luain gu Sathurna. Gun tuilleadh cagnaidh ma ta, chuir mi-fhìn ’am ònrachd còrr a’s ceithir fichead diubh cruinn; ’s cha ’n ob mi an toirt seachad a nasgaidh do dhuine sa bith a shaoileas mi an ni féum dhiubh. Bheir mi nise, le d’ chead cuairt dhut.— TALADH. Ba-hò, mo leanabh, Ba-hò, ba-hò; Ba-hò, mo leanabh, Ba-hò, ba hò; Bà, hi-rì, hill-ù, hill-arum Gu ’n till iad fallain, Na dh’ fhalbh air sàil’. Ba-hò, &c, Gur h-ioma cruaidh fhortan Tha ’n lorg nam màth’r; ’S gu ’m beil mo chuid-sa A nochd nam làimh: An àite bhi mùirneach, Sùnntach, aighearach, ’S ann tha mi na ’m laidhe Fo phràmh, fo phrámh. Ba-hò, &c, LUINNEAG. Iù hòileagan, iù, Hò, m’ aghan; Iù hòileagan, iù, Hò, m’ aghan; Iù hòileagan, iù, Hò, m’ aghan; Mo chrodh-laoidh a’s aighean, Air gach taobh de’n abhainn. M’ fhéudail de ’n chrodh, Gur h-i ’Ghuaill-fhionn; Cha b’ i ’Cheannfhionn, Bò bu shuaraich. Beannachd banaraich A’s buachaill’ Cha bhiodh tu duilich A chuallach. Iù, &c. Is math a b’ aithne Dhomh do mhàthair, Nighean Glasaig— Ogha Blàraig. [TD 311] [Vol. 4. No. 39. p. 7] Is tù a lìonadh An stòp cairt domh, ’S cha bhiodh air Mo mhùirnein fàillinn. Iù, &c. DANNSA A’ CHLAIDHIMH. Gille-Callum, dà pheighinn, Gille-Callum, bonn-a-sia. Gille-Callum, dà pheighinn, Gille-Callum, bonn-a-sia. Gheobhainn bean air da pheighinn, Gheobhainn bean air da pheighinn, Gheobhainn bean air da pheighinn, ’S tagha ’s rogha air bonn-a-sia! Rug an luchag uan boirionn, Thug i dhachaidh cual chonnaidh, Miasmhine, cliabh sallainn, Gille-Callum, bonn-a-sia! &c., &c. RUIDHLEADH NA COILICH-DHUBHA. Ruidhleadh na coilich-dhubha, ’S dhannsadh na tunnagan. Ruidhleadh na coilich-dhubha, ’S dhannsadh na tunnagan, Ruidhleadh na coilich-dhubha, Air an tulaich làmh ruinn. Air an tulaich againn fhìn, Air an tulaich urad ud. Air an tuilich againn fhìn, Air an tulaich làmh ruinn. O, ruidhleadh, &c. Tha cuimhne agad air an fhear seo; ach tha eagal orm nach eil e agam ceart, ’s cha ’n eil am piobaire aig an tigh an diugh gu ’m sheòladh. CUMHA MHIC A AROIS. Neo Cumha Mhic-an-Tôisich. Céud nan creach, Leag iad thu! Och nan och, Leag iad thu! Céud nan creach, Leag iad thu ’M bealach a’ ghàraidh! Céud nan, &c. Leag an t-each ceanfhionn thu, Leag an t-each ceanfhionn thu, Leag an t-each ceanfhionn thu, ’M bealach a’ ghàraidh! Leag an t-each, &c. Am fion bha gu ’d bhainis, Am fion bha gu ’d bhainis, Am fion bha gu ’d bhainis, Am fion bha gu ’d bhainis, Gu ’n d’ òladh air d’fhairis’ e! Dheagh mhic a Arois. Céud nan creach, &c. Ach is ’eudar sgur. Mu’n d’thuirt am fear nach maireann e, “Dh’ fhaoiteadh leabhar gàbhaidh a sgrìbheadh mu ’n chùis seo na ’m biodh duine ann aig am biodh lan-eòlas, pailteas ùine, agus na bu leòir de dh’ airgiod gus a chur a mach an nasgaidh!”—D’ fhaicinn slàn. ABRACH.—’sa Ghaidheal, 1874. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 312] [Vol. 4. No. 39. p. 8] ORAN. Air an aois agus air faoineachd an t-Saoghail. LE GILLEASBUIG MAC ILLEOLAIN, AM BROADCOVE. An so am shineadh air leabaidh iosail, Mo smaointean diomhair ma ’n tìm a thriall, An tìm a dh’ aoin bhuainn mar cheò ni sgaoileadh Le oiteag ghaoithe bho ’n Aird-an-Iar: Ged tha an òige ro-lan de dhochas, Ni ’n aois an còmhnuidh sud fhògairt sios; Thig iomadh breoitach, thig crith ’us lòinidh ’S ged theid thu ’d chòmhdach, cha dean thu gniomh. Tha ’n aois a táladh gach aona là bhuainn A h-uile tàlaint a fhuair sinn riamh; Thig iomadh fàillinn a mhilleas slàinte, ’Sar cosnadh làthail bi’dh bhuainn a triall; Tha am a chùnntais nis teannadh dlù oirnn, Bi’dh mid n’ar dùsgadh, le tùr is ciall A cumail fhàintean an Ti a’s àirde, ’Sa guidhe fabhor ’nuair thig a’ chrioch. Tha sannt an t-saoghail ’sa chinne-daonna, Go trusadh maoin as gach taobh mu’n cuairt; A deanamh stòras ’s ga thrusadh còmhlath, ’S le barrachd dòchais ’se ’n còrr tha ’uap’; Ma’s ann le dòbheart a thruis thu ’n t-òr sin, ’S gu’n tug thu bheò’laint o dhòiri truagh,— A sporan mor sin ’s am beil do dhòchas A dhuine ghòraich, cha bhi e buan! Cha tugainn béuman do bheartais saoghalt’, Cha bhi clann daoine as aonais ceart, Ach malart chòmhnard bhi measg gach seòrsa Gun dad a rògaireachd bhi ’nam bheachd; Ma rinn u stòras ’s gu’n d’fhuair u còr dheth, Ruig tigh na deòiri ’tha ’n còmhnuidh n’airc. ’S theid riadh ri ’d chùnntas bhios air a dhùbladh ’Nuair theid thu nùll aig a chùirt bhios ceart. Tha beartas saoghalta mealladh dhaoine Cuir iomadh smaointan tha faoin ’nam beachd Tha aitreamh leòmach, tha sannt is mòrchuis Is iomadh gòraich tigh’nn dhaibh fonear: ’Nuair thig am bàs ort, na rinn thu tharsuin, Cha dean e stà dhut mur eil thu ceart; Cha téid fo ’n fhòid leat na rinn thu stòras Ach beagan còmhdaich le bòrd is leac. Bha Solamh rìomhach air cathair rìoghail, Le ’dheise shìoda dol sios fo chas; Bha mèinean òir aige ’tional stòrais— Bha mèinean òmair ’s gach seòrsa chlach; Gach beartas saoghalta ghabhadh faotainn, Bha nise ’taomadh gach là dha steach; ’Nuair dh’fhàs e aosda, gu ’n d’rinn e faosaid Nach robh ’s an t-saoghal ach maoin gun dreach. Bha iompair’ uaibhreach ann, fada bhuaithe, ’S bha mòran sluaigh aige suas ga feachd; Gun robh e buadhair ’sa h-uile tuasaid, ’S gu ’n chuir e cuairt air an àird-a-Near: Cha robh ’san t-saoghal de chumhachd dhaoine Na bheireadh claoidh as, no chuir air ais,— Chaidh e gu taobh agus ghuil is chaoin’ e Gun tuilleadh saoghail bhi ann ri ghleachd. Faodaidh e bhith gun abair an leughadair nach eil rogha bàrdach no ard sgoraileachd air an òran so; ach ’nuar a chluinneas e gu ’m beil an t-ùghdair 91 bliadhna a dh’ aois, agus nach robh e cleachdadh bhi deanamh òrain ’na òige, bithidh lethsgeul aig air an t-seann duine chòir a tha mar so a’ cur seachad roinn dheth ’ùine, bho ’n a chaidh a fhradharc agus a chlaisneachd beagan air ais, agus nach eil e nise cho furasda dha idir conaltradh a bhi aige ris na càirdean agus ris na coimhnearsnaich ’sa b’ àbhaist. CONAL. Margari, Am Màrt 1896. ORAN DO SHINE WOODS. LE SEORAS CAIMBAL. Chunnaic mi ’n òigh a’s boidhch’ air thalamh: Do phòg air bhlas meala, ’chaoin chagair mo chridh’. Dhuir’ ginn a pòsadh le deòin gach caraid: Gun or, gun earras, cha ghabhainn ach i. Tha mi fo ghruaim ’s cha dual dhomh bhi maireann, Mu ’n sgeula so ’fhuaras Di-luain thar a Chaoil.’ Gun do chaochail gach ùis ’s gach suairceas banail, ’S gach suaimhneas, carantachd, gean, agus gaol. Ma thug thu rium cùl ’s gu ’n d’ dhiult thu m’ fhuran, ’S mi giùlan mulaid le fulangas buan, Nan deanadh mo shùil an driuchd a chumail, A rùin, cha chluinnteadh mi tuilleadh ga d’ luaidh. Treigidh a ghrian an iarmailt buileach, Sguiridh na sruthain a ruith chum a chuain, Mun lughdaich mo speis do ’n gheig a’s luraich’, Ach ’s fheudar cur leis, ma thug thu dhomh fuath. Ach so dhuit mo lamh le cairdeas tairis, ’Se blàths a mhaireas ma bhitheas mi beo, ’S na cum mis’, a ghraidh, gam chradh na ’s fhaide, ’S do ghràdh gam mhealladh ’s nach fhaigh mi ort còir. SGEUL MIODALACH AN DOCHAIS. Le miodal sgeoil thuirt dòchas. Gum pilleadh sòlas caomh;— Ach m’ osnaich cha dean fòir orm, ’Se ’s dàn ’bhi bròn do ’n ghaol. A! ceana shiubhail dòchas? ’S ann theich e uam gu bràth; Dh’ fhalbh bruadair gaoil na h-òige. ’S gun d’ thàirmich bròn na àit. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 313] [Vol. 4. No. 40. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 11, 1896. No. 40. A Framboise. Tha blàths is aiteamh againn a nise bho chionn mios agus tha ’n sneachda air falbh cha mhor gu buileach. Cha ’n eil teagamh nach tuit sneachda fhathast romh thoiseach nn t-samhraidh, ach cha seas e fada do theas grian April. Cha d’ thainig dad de’n deigh mhoir mu na cladaichean air an earrach so, ach faodaidh gu leòir tighinn fhathast; is minic a thàinig i air greis de ’n t-samhradh agus a chuir i call air na h-iasgairean agus air luchd-falbh na mara. Agus is cinnteach sinn á side aognaidh, fhuar, fhad ’sa bhios na cnapan mora, fuar, ud ’sa nàbuchd againn. ’S ann leam féin nach bu toil a bhi còmhnuidh far a bheil na cailleachean mora ud a fas. Tha mi ’n dùil nach lugha an t-Esgumo fhéin a bhiodh suas riutha. Mur a tig side dhoirbh fhathast romh bhealltuinn tha mi saoilsinn gu ’m bi pailteas biadh spréidhe againn, ach ma thig bithidh sinn gann gu leòir dheth. Tha Domhnull A. Mac Gilleathain an deigh còrdadh a dheanamh airson tri taighean còmhnuidh a chur suas air an t-samhradh s’a tighinn, aon do Thormad Mac Asguill, aon do Alasdair M. Mac Leoid, is aon do Iain D. Mac Asguill. Tha Domhnull na shaor math, earbsach, agus ’se sin is aobhar gu bheil a cheud tairgse aige airson togalaichean de’n t-seòrsa so. Tha fear eile againn a tha dileas d’a dhreuchd ann am pearsa Dhomhnuill ’Ic Leòid, a tha ’na fhear-posta eadar Fourchie, an t-àite so agus Grand River. Ruith e ’n t-astar sin gu riaghailteach fad a gheamraidh, ged a bha iomadh latha is oidhche glé dhoirbh aige. Agus an taobh a mach de ’bheachdan ann am politics tha mi ’n dùil gur h-e an aon fhear airson na seirbheis. Is fhada bho nach deachaidh geamhradh thairis anns nach d’ fhuair sinn air a chuid bu lugha bainis no dha gus am bliadhna. Tha e coltach nach d’ fhuair fiù a h-aon de na fearaibh òga de mhisnich na thug gruagach air làimh air beulthaobh ministeir; neo bhiodh mar bu nòs air thoiseach sreang de dh’ eich ’s de shleigheachan àrda, cnotan is dosan de ribinnean ioma-dathach a’ srannraich mu chluasibh nan each a dol tigh a mhinisteir ’sa tighinn bhuaithe. Gun teagamh is mor an cothrom a th’ aig muinntir an latha a th’ ann an duigh seach ri mo cheud chuimhne ri mo latha féin. Cha robh roidean mora na uidheam-giùlan ann ’s an ám ud mar a th’ ann an diugh, agus dh’ fheumadh mar sin dithis sam bith a bhiodh ri pòsadh, agus iadsan a bhiodh na ’n cuideachd falbh d’ an cois astar mhiltean troiomh ’n choille gus an ruigeadh iad a ministeir; fear-na-bainnse air thoiseach agus, “A bheil thu tighinn, a Sheònaid?” aige ’ga fhoighneachd an dràsda ’sa rithist. Agus an deigh a h-uile rud gu leir iad cho sona ’san dòigh ud ’s ged a bhitheadh iad ann a leitheid a charabaid ’sa thàinig le Sir Tearlach á Ottawa. Ged a bu mhath leam a bhi sgriobhadh ad ionnsuidh na bu trice, thachair dhomh mar a chuala mi a thachair do’n duine bhochd roimhe. ’S e sin “toil gu leòir ach cion comais.” Tha e air a radh gu robh ministeir ann aon uair a’ gabhail an rathaid mhòir agus co a chunnaic e ’n a shineadh an clais an rathaid ach fear de’n choi-thional aige a ghabh de stuth na Tòiseachd tuilleadh ’s na thigeadh ri shlàinte. “Ud, ud, Iain,” ars’ am ministeir, “gu de tha thu ’deanamh ’nad shineadh an sin ’sa pholl. Eirich air do chasan ’s bi dol dhachaidh.” Thug Iain bochd oidhearp air éiridh ach dh’ fhairtlich air. “Ma ta,” arsa esan, “le’r cead a mhinisteir, gabhaidh sibh mo leisgeul. Tha toil agam gu éiridh ach cha ’n eil an comas ann.” CEANN LIATH. “Latha nan Amadan,” 1896. Bha citheachan sneachda ann an cearuan de Stàit Wisconsin air an t-seachdain s’a chaidh, a bha eadar deich us fichead troigh dhoimhnead. Ged a chaidh agad air aon olc chur a car ùine na thàmh, thoir an aire nach tog e a cheann suas an uair a’s lugha shaoileas tu, agus nach bi thu ’na do thrail aige ni ’s mò na bha thu riamh. Mar is mò a bhios de mhios aig duine air feìn, ’s ann is lugha bhios aige air daoine eile. Am fear aig am bi meas mòr air fein cha bhi e toilichte mur bi daoine ’g a shior mholadh. Ach cha ’n ’eil rud a’s lugha air na bhi ’cluinntinn a bhith moladh dhaoine eile. Bha duine a bha ’na bhantraich, agus mac dha a fuireach air aon taobh dhe ’n t-sraid. Air an taobh eile bha bantrach agus a nighean. Phos an duine an nighean, agus phos a mhac a bhantrach. Tha toil aig an duine nis fhaotain a mach co dhiubh a tha esan na athair-ceile dha ’n te a bha na bantraich, no ’n ann a tha ise na mathair-cheile dha-san. Bha coinneamh ann a Winnipeg air an t-seachdain s’a chaidh aig teachdairean o Ard-Riaghladh Chanada agus Riaghladh Mhanitoba, feuch am b’ urrainn daibh còrdadh a dheanamh a thaobh sgoilean na mòr-roinne sin. Dh’ innis teachdairean an Ard-Riaghlaidh mar bu mhath leothasan gnothuichean a bhi air an ceartachadh, agus dh’ innis Riaghladh Mhanitoba na bha iadsan deònach a dheanamh, ach cha do chòrd an da ni ri chéile, agus b’ fheudar dhaibh dealachadh gun aontachadh ri ni sam bith a dheanadh cùisean na bu réidhe na bha iad roimhe. Cha’n eil teagamh a nise nach bi sgoilean Mhanitoba ’na ceist mhòir eadar an da phàirtidh an àm a bhi taghadh pàrlamaid ùr ’san t-samhradh. [TD 314] [Vol. 4. No. 40. p. 2] CLEASACHD NAN GAIDHEAL. Thàinig caochladh mòr air nàdar agus air àbhaistean na h-òigridh bho ’n is cuimhe leamsa. Tha giullain an là an diugh cho glic ri ’n seanairean agus cho sean ris na cnuic mu’n gann a bhriseas iad air “gàradh-an t-shagairt.” Tha chleasachd iar dol cho mòr á cleachdadh ’s nach fhada ’s aithne do na caileagan fhein uibhir ’s cluith air an “Fhrìdeig.” Cha chluinnear guth a Shamhradh, a Gheamhradh, a dh-Fhoghar, no a dh-Earrach, air Cluith-na-brataich, Tomhas-nam-prop, am Madadh-ruadh, Cisteag-òir a’s cisteag-airgid, Falach-a’-phutain, Gille-iùnnsachan, Nead-Ghille-brigein, cha chluinn no air Currac Mhaighistir Péursal fhéin! Leig na sean-ghiullain diubh, ach beag, ant òrd, a’ chlach-neart, ar chruinn-léum, an léum-ruith, an cabar, ’s Gille-Callum! Cha ’n bheil cuimhne agam c’ uine chuala mi geall-réise ga chur; ’s nach bheil a bhlàth; an àite a’ ghrama-ruith, an cluinnear ach greim-stamaig; agus na lorg cha ’n fhaicear uibhir “ceann-na-h-òrdaig” de ghlas-ghiullan gun àth-aoil na phluic! Tha chamanachd fhathast ag cumail suas a cinn—tha ’s an dallan-dà; ach tha bhuaidh seo air an “dallan”—am fear air an téid e aon uair gur dùth dha fuireach air! Tha cuibheas air a’ h-uile rud; ach am beilear an diugh na’s fhéarr na bhàtar bho shean! Am beilear na’s clise ’s na’s eòlaich air ball-airm a laimhseachadh bho ’n a chuireadh air chùl Cluith-na-brataich, a’s Tomhas-nam-prop? Am beilear na’s teòma air seilg, agus na’s fhearr a suas ri àmhuiltean ant shionnaich bho ’n a sguir Cluith a’ mhadaidh ruaidh? An aon fhacal, am beil an Gàidheal na ’s lùthmhoire shiubhal an fhirich, na’s fulangaiche air mì-mhodh, na’s cruadalaich ri uchd gàbhaidh, na’s curantaiche, na ’s dìlse dh’a chompanach, agus na’s fhaide saoghal? Cha do leig sinne tur fhathast au cabar air ant shlinnein; cha ’n bheil oidhche-sheachdain nach fhaigh sinn a’ Ghlas-mhiar bho ’n phìobaire, sgialaachd bho Eobhan-mòr, agus fios mu ioraltan Mhic-an-tuim bho Dhònull Camron; ach an uair is bàs do dh-Iain mac Ghill-easbaig tha eagal orm nach cluinn sinn gin tuille de na seann òrain. Ma ghabh na seann-Ghàidheil saothair ri oileineachadh làmh a’s chas, cha d’ rinn iad dearmad air a’ mheomhair. Mar dhearbhadh air sin bheir mi dhut A’ CHAS-GHOIRT. Feumaidh ochdnar a bhi ’s a’ chluith. Am fear air an tig “stoc a staigh” ’s e bhios na “bhodach;” agus a’ fiachainn co bhios na bhodach, their an rìgh facal de’n rann a leanas, no dhe ’samhuil, ’s e tomhadh a chorraige ris gach fear fos leth de ’n ochdnar, ’s a’ dol deiseal air a’ chròileagan. Is i seo an rann a bhiodh againn, mar is cuimhne leat, an uair a bhimid ag cluith air an “Fhrìdeig.” Féumaidh am bodach seasamh air bialaobh gach fir de ’nt sheachdnar, agus a dhuan a ghabhail ’s a dhanns a dheanamh. Bidh dochair air an fhear theid lideag am mearachd:— Imeadan beag, amadan beag, Gioba gobha, gioba gadha, gioba gall, Gall-seipein, seipein siùbhlach, Aon bhogh’-Ileach, dà mhiar mheadhoim, Miar Mhic Iain, an ceann ’s a’ chaolan, Dughall glas, ga leigeil ás, Taobh na slaite, ìnnse cruitein, Ainnse meitein, boineid na muice, Stoc a’s taigh! RIGH.—Eirich, a bhodaich, ruig an leathraiche, agus faigh iall a theid air do chois ghoirt. LEATHRAICHE.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol? BODACH.—A dh-iarraidh éille theid air mo chois-ghoirt. LEATHRAICHE.—Cha ’n fhaigh thu iall bhuamsa gus am faigh thu sgian bho ’n ghobhainn a ghearras i. GOBHAINN.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol? B.—Gobha, goba bòidheach, Gobha, gobha briagha, Gobhainn a bheir sgian domh, Sgian a bheir mi do n leathraiche, Leathraiche bheir iall dhomh, Iall a theid air a’ chois ghoirt! G.—Cha ’n fhaigh thu sgian bhuamsa mur teid thu thoirt iteig ás a’ chòrr ud shìos a bheir do’n choill thu a thoirt guail leat. CÒRR.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol? B.—Còrr, còrr bhòidheach, Còrr, còrr bhriagha, Còrr a bheir iteag dhomh, Iteag a bheir mi do ’n choill, Coill a bheir gual domh, Gual a bheir, &c. C.—Cha ’n fhaigh thu iteag bhuamsa mur faigh thu dhomh piseag bho ’n chat ghlas ud thall. CAT.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Cat, cat bòidheach, Cat, cat briagha, Cat a bheir piseag dhomh, Piseag a bheir mi do ’n chòrr, Còrr a bheir, &c. C.—Cha ’n fhaigh thu piseag bhuamsa mur fhaigh thu dhomh diaran bainne bho’n mhart mhaol. MART.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Mart, mart bòidheach, Mart, mart briagha, Mart a bheir bainne dhomh, Bainne bheir mi do ’n chat. Cat a bheir, &c. M.—Cha ’n fhaigh thu bainne bhuamsa mur faigh thu dhomh sop bho ’n ghille-shabhail. GILLE-SABHAIL.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Gille sabhail bòidheach, Gille sabhail briagha, Gille sabhail a bheir sop dhomh, Sop a bheir mi do ’n mhart, Mart a bheir, &c. G. S.—Cha ’n fhaigh thu sop bhuamsa mur faigh thu bonnach dhomh bho ’n bhean-fhuine. BEAN-FHUINE.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Bhean-fhuine bhoidheach, A bhean-fhuine bhriagha, A bhean-fhuine bheir bonnach dhomh, Bonnach a bheir mi ’n ghille-shabhail, Gille-sabhail a bheir sop dhomh, Sop a bheir mi do ’n mhart, Mart a bheir bainne dhomh, Bainne bheir mi do ’n chat, Cat a bheir piseag dhomh, Piseag a bheir mi do ’n chòrr, Còrr a bheir iteag dhomh, Iteag a bheir mi do ’n choill, Coill a bheir gual domh, [TD 315] [Vol. 4. No. 40. p. 3] Gual a bheir mi do ’n ghobhainn, Gobhainn a bheir sgian domh, Sgian a bheir mi do ’n leathraiche, Leathraiche bheir iall domh. Iall a theid air a’ chois-ghoirt! Fiach a nise an cuir thu fhein càch romh ’n “Isein-chirce” agus romh na “Deich amaill,” air ant sheòl chiadna: Còig stallain dhiag. Dhubha, dhubha, dhùghorm; Le ’n còig earrabuill dhiag, Dhubha, dhubha, dhùghorm, Ceithir capaill dhiag, Dhubha, dhubha, dhùghorm; Le ’n ceithir searraich dhiag. Dhubha, dhubha, dhùghorm. Trì mnathan diag, geala. Geala, geal-bhreideach. Dà ghille dhiag, bhreac-luirgneach. Aon fheadag dhiag, fhad-speireach, Deich bà ceanfhionna, Croidhionna, làirceach. Naoidh tairbh mhaola, Dhonna, chorc-chluasach. Ochd cailleachan miogagacha, Magagacha, màgach. Seachd gobhair ghiorragacha, Gharragacha, dhàite. Sia mucan-biadhta. Còig fainneachan òir. Ceithir sraibh-mhuillcinn. Trì eòin-ghura, Dà chrann lacha, ’S isein-circe, ’s a chas briste, ’S beairt air a mhuin! Cuir seachad seo. ’Dé th’ ann an seo? Isein-circe ’s a chas briste, ’s beairt air a mhuin. Cuir seachad seo? Agus mar sin sìos. Deich amaill a’s deich tuill Na ’n deich cinn, Naoidh amaill a’s naoidh tuill Na ’n naoidh cinn. Seachd amaill a’s seachd tuill Na ’n seachd cinn, Sia amaill a’s sia tuill Na ’n sia cinn. Còig amaill a’s còig tuill Na ’n còig cinn. Ceithir amrill a’s ceithir tuill Na ’n ceithir cinn. Tri amaill a’s tri tuill Na’n tri cinn. Dà amall a’s dà tholl, Na ’n dà cheann. Amall agus toll na cheann. Cuir seachad seo. ’D é th’ ann an seo? Dà amall a’s dà tholl na ’n dà cheann, amall agus toll na cheann. Agus mar sin sìos—ABRACH, ’sa Ghaidheal. Micheil Ionraic. O chionn còrr us da cheud bliadhna bha anns an Olaint gille beag ris an canadh iad Micheil. Bha a phàrantan bochd, agus b’i ’n toil gu’n ionnsaicheadh e ceaird; ach bha Micheil air inntinn a dheanamh suas gu’m biodh e ’na sheòladair, agus cha deanach ni sam bith eile ’n gnothuch. ’Se bh’ ann gu’n aontaich a phàrantan a dhòigh fhéin a leigeadh leis; agus fhuair ’athair àite dha air bòrd soithich a bha gu seòladh gu Morocco air cladach a tuath Africa. Bhuineadh an soitheach do cheannaiche dha ’m b’ àbhaist a bhi toirt leis aodaich dh’ an dùthaich sin, air son a reic ris na nàisinnidh. Bhiodh e fhéin a falbh air an t-soitheach, agus mar sin bha làn chothrom aig air fhaotainn a mach ciod bu nàdar dha ’n ghille ùr, agus cha b’ fhada gus an d’ thug e fa-near gu’m bu ghille fiachail e. Cha ’n e mhàin gu robh e ealamh gus a dhleasanas ionnsachadh, ach ni a b’ fhearr gu mor na sin, bu ghille e a dh’ fhaoidte easbsa. Ge b’e ni a bhiodh aige ri dheanamh, dheanadh e e le ’uile dhichioll, co-dhiu bhiodh duine ’ga fhaicinn no nach bitheadh. “So an gille ’tha dhith orm,” ars an ceannaiche; agus bha Micheil a sior dhireadh. Bha a dheanadas, ’fhoighidinn, agus ’onair aithnichte do na h-uile, agus thug iad an cliù sin dha. Aon latha, mu dheireadh thall, dh’ fhàs an ceannaiche tinn, agus cha robh e comasach dha leis falbh an t-soitheach, a bha luchdaichte agus ullamh gu triall air a turus gu Morocco. Ciod a dheanadh e? Cha b’ aithne dha ach aon neach ris am faodadh e an soitheach ’sa luchd earbsa. Chuir e fios air Micheil, agus thuirt e ris gu feumadh e falbh an àite ’mhaighstir. Bha Micheil òg, agus bha ’n t-uallach mòr, ach b’e ’dhleasanas an ni chaidh iarraidh air a dheanamh agus cha do chuir e cùl ris. Dh’ fhalbh an soitheach agus Micheil ’na seilbh, agus an ceann beagan làithean dh’ fhaoidte fhaicinn air maduinn bhriagha a’ sgaoileadh nan aodaichean anns a mhargadh am baile Morocco. Bha am baile sin air a riaghladh le righ no ceann-feadhna ris an canadh an sluagh Bey. Bha e ’na dhuine ceannasach, an-iochdmhor agus mor as féin, aig an robh cumhachd gach ni a thogradh e a chur an gniomh ’s cha ’n fhaodadh duine radh gu’m b’ olc. Air a’ cheart mhaduinn so thainig e mach dh’ an mhargadh agus an deigh dha sealltuinn thairis air na h-aodaichean a bh’ air cùram Mhicheil, thagh e pios àraidh a chòrd ris, agus dh’ fheòraich e ’phris. Dh’ innis Mhicheil dha. Thairg am Bey dha leth na suime. “Cha ghabh,” arsa Micheil, “Cha’n eil mi ’g iarraidh air an aodach ach na ’s fhiach e; tha dùil aig mo mhaighstir a’ phris sin fhaotainn air, agus cha ’n eil annamsa ach a sheirbheiesach. Cha ’n eil e comasach dhomh pris na’s lugha ghabhail.” Dh’ at aodann a’ Bhey le feirg; chriothnaich iad-san a bha nan seasamh faisg orra, oir bha fhios aca gu’m bu bhàs cinnteach do neach sam bith cur an aghaidh toil an riaghladair. “Bheir mi dhut gu maduinn am màireach, gus fhios a bhi agad ciod a ni thu,” ars esan, agus choisich e air falbh. Chuir Micheil uaithe an t-aodach gu sàmhach, agus thòisich e ri frithealadh air an luchd-ceannach. ’N uair a ghuidh iadsan a bha timchioll air striochdadh do’n Bhey, thuirt e, “Tha mi ann an làmhan Dhe. Esan nach bi dileas ann am beagan cha bhi e dileas ann am moran. Ma chailleas mo mhaighstir aon sgilinn le mo choire-sa, cha sheirbheiseach dileas mi.” Thainig am màireach. Thainig am Bey mar a thubhairt e, agus a bharrachd air gach seirbheiseach eile o bha ’ga leantuinn, bha an crochadair. Chuir e a cheart cheist air Micheil ’sa chuir e air an latha roimhe sin, agus thug Micheil a’ cheart fhreagadh dha. “Thoir a bheatha dhiom,” ars an gille treun, “ach gheobh mi bàs le cogais ghlan agus ’nam sheribheiseach dileas do m’ mhaighstir.” B’ uamhasach a mhionaid sin a chuireadh seachad. Bha dùil aig gach aon gu’n cluinneadh iad an t-òrdugh, ‘Buail dheth an ceann,’ a tighinn o bheul a Bhey, (Air a leantuinn air an 8 taobh.) [TD 316] [Vol. 4. No. 40. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APRIL 11, 1896. Tha tigh na Pàrlamaid ann an Ottawa ’na shuidhe bho fheasgar Di-luain s’a chaidh ag obair air an Remedial Bill. Tha ’n taobh làidir a’ cur rompa am bill a chur troimh ’n phàrlamaid mus sgaoil an tigh air a cheathramh latha fichead, agus air an aobhar sin tha iad a cumail an taighe na shuidhe a dh’ oidhche ’sa latha. Tha ’n taobh eile a cur an aghaidh a bhi air an cumail o thàmh na h-oidhche mar sin, agus a’ cur gach bacail is urrainn daibh orra. Tha ceud us da earrann anns a bhill, agus tha iad fhathast ag obair air a cheathramh earrann. Am fios mu dheireadh a fhuair sinne, cha robh choltas air gu’n éireadh an tigh gu oidhche Shathurna. Gu dearbh ’s beag ar farmad ri fir na pàrlamaid. Tha na Stàitean a tuiteam gu trom ann am fiachan. Re nan tri miosan a chaidh seachad bha cosguis riaghladh na dùthcha naodh muillein deug dolair ($19,000,000) na bu mhotha na bha ’n teachd-a-steach. Ma leanas iad air an dòigh sin, cha’n fhada gus am bi iad gle dhomhainn ’sna fiachan, ach tha ’n dùthaich beairteach, agus làn chothromach air am pàigheadh uile ma ’s e ’s gu’n cuir iad rompa sin a dheanamh. Tha na Stàitean a cur a mach ann am peinseannan na chumadh suas dùthaich chuimseach eile. Bha an Ceasnachadh bliadhnail anns an Ard-sgoil Dior-daoin, agus na duaisean àbhaisteach air an toirt seachad. Litir a New York. Fhir-dheasachaidh a’ Mhac-Talla: MO DHEAGH CHARAID,—Tha fhios agam gum bheil sibh an còmhnuidh a’ gabhail mor spéis de nithean a bhuineas do litreachas agus ionnsachadh na Gàilig anns gach cearn. Air an aobhar sin, tha toil agam innse dhuibh nu thimchioll obair a tha àireamh de bhuill Comuinn Ghaidhealaich New York a’ deanamh fad a’ gheamhraidh s’a chaidh. Mar a tha fhios agaibh, tha da chomunn Gàilig ’sa bhaile so; an Comunn Albannach agus an Comunn Eirionnach. ’Nuair a chuir mi eolas air h-aon no dha de bhuill a’ Chomuinn Albannaich, chuir mi fa ’n comhair gu’m biodh e freagarrach comunn beag a chur air bonn air son eolas na ’s fearr fhaotainn air Gàilig na h-Alba agus na h-Eirinn. Mar sin, thug mi cuireadh fialaidh do thri buill de gach comunn coinneamh mhiosail a bhi againn ann am thigh air chor agus gu’n leughadh gach aon againn paipearan air litreachas, dòigh-labhairt, agus eadar-dhealachadh an da chànain. Tha mi ro-thoilichte innse dhuibh gun do dh’ fhiosraich sinn mor eolas mu thimchioll na seann Ghàilig agus Gàilig an la diugh. Faodaidh moran a’ smaointeachadh, aig nach ’eil fios maith air an canain féin, gu’m bheil atharrachadh mor eadar a’ Ghàilig Eirionnach agus a’ chanain Albannach. Neach ’sam bith aig a bheil fios na h-aon chanain, gu cinnteach chi e nach ’eil an dealachadh ach fior bheag. Feumaidh mi aideachadh nach robh a’ cheud oidheirp a thug mi air litir Ghàidhealach a’ sgriobhadh gu MAC-TALLA ach gle leibideach; ach fo’n a a thòisich sinn an comunn beag so, gu bhi rannsachadh a mach reachdan an da chànain, fhuair mise agus gach aon eile a tha gabhail pàirt anns’ an deasbaireachd bho mhios gu mios moran foghluim air nithean a tha ro-fheumail dhuinn. Tha seachd buill ’sa chomunn so mar ainm; Niall Domhnullach, Domhnull MacMhuirich, Domhnull Mac-Rath, Albannaich, agus E. MacChristamhail, Padruic O’Broin, P. MacAoidh, Eirionnaich. Tha mise ’nam fhear-cathrach agus a’ cur an céill a’ chànain Bhreathannaich. Le mor urram, is mise bhur caraid, DYNELEY PRINCE. Ruig D. J. Domhnullach air son Comhdach Fhirionnach. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 317] [Vol. 4. No. 40. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha eaglais mhòr Chaitliceach ri bhi air a togail ann an Charlottetown air a bhliadhna so. Tha i gu bhi da cheud troigh a dh’fhad agus sia fichead troidh a leud. Tha i ri bhi deas ’san fhoghar 1897, agus cosgaidh i còrr us tri fichead mile dolair. Tha caraid a sgriobh ugainn a Gleann Garaidh, an Ontario, an la roimhe, ag innse gu bheil pailteas sneachda air làr ’sa chearna sin fhathast, agus gu bheil deagh ròidean sleighe aca. Deireadh na seachdain s’a chaidh bha an t-side glé fhuar. Fhuaireadh fear Seumas Ford agus a bhean marbh ann an suampa faisg air Ottawa aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Cha ’n eil fhios gu de thug am bàs, ach thatar a’ deanamh a mach gur e aona chuid am meileachadh leis an fhuachd a rinneadh neo gur h-e puinnsean air chor-eigin a ghabh iad gun fhios daibh. Thainig an deigh mhor a stigh do’n acarsaid so oidhche Chiaduinn. Cha robh i stigh a bheag a dh’ ùine roimhe so o chionn tri no ceithir a bhliadhnaichean. Dh’ fhàs an t-side glé fhuar o’n thainig i stigh, agus ’s dualach gum bi e mar sin gus am falbh i. Cha’n urrainn blaths a bhi ann fhad ’sa bhios an deigh mhor air na criochan. Chaidh da shoitheach a bha ’g iasgach ròn a chall anns a chaolas eadar Newfoundland us Labrador air an t-seachdamh latha deug dhe’n mhàrt. Bha ceud duine air bòrd orra, agus chaidh an toirt dhachaidh le soitheach eile. Bha cuid de na daoine air an reothadh gu dona, agus chaill iad gach ni a bh’ aca air bòrd an t-soithich. Bhuail an soitheach-seolaidh Glenora air Rudha Eilean na Battaraidh aig beul acarsaid Louisburg oidhche Shathurna s’a chaidh. Bha i air a turus o Halifax agus i luchdaichte le innsridh iasgaich. Dh’ fhag an sgioba i ach an deigh sin chaidh iad oirre rithist agus fo chùram fear de sgiobairean Louisburg thugadh a stigh dh’ an acarsaid i. Bha i gle ao-dionach, agus tha an luchd air a thur mhilleadh. Thachair ni muladach ann an St. Andrew’s, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha dithis ghllean beaga, fear sia bliadhna dh’ aois agus an fear eile ceithir bliadhna, a cleasachd le piatan laoigh. Cheangail am fear bu shine ròp mu amhach an laoigh, agus an ceann eile cheangail e mu amhach a bhràthar. Thòisich an laogh ri ruith, a’ draghadh a phàisde leis gus an deachaidh a chur á cnàimh na h-amhach, ’s an robh e marbh. Chaidh balbhan do’m b’ ainm Graham Logan, aois sheachd bliadhna fichead, a mharbhadh leis a charbad iaruinn ann an Truro maduinn na Sabaid s’a chaidh. Tha e coltach nach robh dùil aige gu robh ’n carbad ri tighinn an la ud, agus cha b’ urrainn dha an fhideag a chluinntinn, ’s bha chulaobd ris a charbad aig an àm. Bha an carbad air tigh’n á Halifax, a giùlan mail á Breatuinn a thainig air tir ’sa bhaile sin air feadh na h-oidhche. Thatar an deigh fhaotainn a mach gu bheil mèinnean oir a tha anabarrach beairteach ann an Alaska. Dh’ fhalbh coig soithichean deuga, agus mile duine air bòrd, á Seattle ann a Washington, air an t-seachdain s’a chaidh a shireadh an fortain san dùthaich sin. Tha iad a deanamh a mach gu bheil moran dhe’n stuth luachmhor air grunnd loch a tha air eilean Sitka, agus tha iad a cur rompa an loch sin a thràghadh. Bha dùil aig na bàtaichean-aiseig tòiseachadh air ruith toiseach na seachdain s’a tighinn, ach cumaidh an deigh mhòr air ais iad a nise. Tha lochan a Bhras d’ Oir fosgailte agus bátaichean a ruith orra. Thainig a cheud shoitheach troimh rathad-uisge St. Peters air an darra latha mu dheireadh dhe ’n Mhàrt. Na ’m biodh an deigh air fuireach air falbh, bhiodh na bàtaichean a ruith na’s tràithe na bha iad o chionn àireamh bhliadhnaichean. Thainig fios o dhotair ann a’ Hong Kong air an t-seachdain so ag innse gu bheil a’ phlàigh dhubh air bristeadh a mach anns a bhaile sin, agus a toirt air falbh moran. ’N uair a bhuaileas an tinneas duine, cha mhair e ach dha no tri lathaichean. Tha Hong Kong air cladach Shina, ach tha e o chionn àireamh bhliadhnaichean fo riaghladh Bhreatuinn. Ma gheobh a’ phlàigh a ceann a’ thogail, bidh e gle chunnartach gu sgaoil i a dhùthchannan eile. Tha ’n Riaghladh a cur rompa sluagh Mhanitoba àireamh an ceann dha no tri sheachdainean. Tha Riaghladh Chanada gach bliadhna a’ pàigheadh suim araidh do Riaghladh gach mor-roinn a reir àireamh an t-sluaigh. ’S ann air son an t-suim sin a bhi ceart a thatar a dol a dh’ àireamh an t-sluaigh ann àm Manitoba. Tha Manitoba na mor-roinn ùr agus tha ’n sluagh a dol an lionmhoireachd moran na’s luaithe na tha iad anns na mor-roinnean eile. Tha Iompaire no Sàr Ruisia ri bhi air a chrùnadh air an t-siathamh latha fichead dhe’n Mhàigh, ann am baile-mor Mhoscow, far an robh a shinnsirean uile air an crùnadh roimhe. Theid e fhein ’sa Bhan-Iompaire a stigh do’n bhaile air an aonamh latha fichead, agus fàgaidh iad e rithist air an t-seachdamh latha dhe ’n Og-mhios. Cha bhi cùmhnadh air saothair no air cosgais, agus bi an crùnadh air a dheanamh le greadhnachas agus mor-chuis mach fhacas a leithid ’san dùthaich sin riamh. Tha aimhreit ann an St John an dràsda eadar an luchd-obrach agus muinntir nan soithichean smùide. Tha an luchd-obrach a b’ àbhaist a bhi frithealadh nan soithichean aig na laimhrigean, ’g an luchdachadh ’s gam falamhachadh, a’ diùltadh car obrach a dheanamh gun ceithir dolair ’san latha. Tha cuid de mhuinntir nan soithichean nach cuir suas le sin, agus an la roimhe thug iad làn carbaid de dhaoine à Montreal, a tha ’g obrachadh dhaibh air da dholair ’san latha. Tha buidheann de mhaoir a bhaile comhla riutha aig an obair air eagal gu’n cuirear dragh sam bith orra. APRIL, 1896. 1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige). 2 Dior-daoin 3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda. 4 Di-sathairne. An Crt’l mu dheir. 8.10 feasg. 5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge. 6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865. 7 Di-màirt. Fhuaireadh Canada, 1499. 8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann 1818. 9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747. 10 Di-haoine 11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi 1689. 12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg. 13 Di-luain. An Solus Ur, 0.9. maduinn. 14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835 15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich. 16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746 17 Di-haoine. An Fheill Donnain 18 Di-sathairne. An Fheill Mholis. 19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge. 20 Di-luain. A cheud chairteal 6.33, fessg. 21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653 22 Di-ciaduin. Breth Sheu’s Ghreumaich 1765 23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661 24 Di-haoine 25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057. 26 DI-DONAICH. III. Di-donaich ’deigh Càisge. 27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad. 28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair Righ Alba, 1124. 29 Di-ciaduin 30 Dior-daoin. Blar Fontenoi, 1745. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 318] [Vol. 4. No. 40. p. 6] TAIGHEAN BHAN ANN AN INDIA. (Le Miss Rainy.) Chunaic mi o’n taobh a muigh Tighean Bhan (zenanas) comh-cheangailte ri lùchairtean Hinduach no Mohammedanach glé choltach ri prìosain fo ghlais is fo iuchair. Anns na suidheachaidhean so, tha ’Tigh Bhan ’n a thigh le ballachan àrda, gun uinneig, agus le aon dorus cumhann. Dh’ innseadh domh le bana-charaid a bha ’n taobh a stigh Tigh Bhan dhe’n t-seòrsa so, nach faiceadh na mnathan a bha ’stigh ann dad de’n t-saoghal a muigh ach an t-athar; agus gu’m feudadh na fir anns an lùchairt làmh ri so dol g’ am mullach air mharcachd nan toilicheadh iad, oir bha ’n rathad gu dìreadh cho leathan, soirbh—an uair a b’ fheudar do na mnathan ’n an tighean féin staidhir chaol, chumhann a dhìreadh leis gach ceum air leth troigh air airde. Ach cha d’ fhuair mise ’steach do aon de’n t-seòrsa so, agus anns na Tighean Bhan ’s an do thathnich mise, cha robh de bhalla eadar fir is mnathan ach deas-ghnàth is cleacadh—agus cha robh de ghlais no de iuchair r’ am faicinn ach am beachdan eucorach fein. Do mhnaoi a tha ’gosnaich air son saorsa, tha na ballachan so, shaoilinn-se na’s tamailtiche na ballachan cloiche agus aoil. Tha eadhon dìomhanas féin ’na mhi-shonas do mhnaoi phúrdah. Ann am fìor thigh Hindùach no Mohammedanach cha ’n ’eil aona chuid leabraichean no sgrìobhadh, àbhadh-ciuil, no obair-shnàthaide; cha ’n fheud a’ bhean dol cuairt a mach; tuilidh is tric, cha ’n ’eil gràdh anns an dàimh-phòsaidh; agus tha a creud gun dòchas. ’S i ’n aon toilinntinn a tha aice a clann. Ach nach truagh an fhàrdach anns am bheil iad air an àrach. Is cuimhne leam beanag bheag deich bliadhna dh’ aois aig an robh seòmar dubhar, dorcha. Bha e gun uinneig, agus bha ’n dorus a’ fosgladh gu cùirt bhig a bha air mullach togail eile, agus o so bha staidheir a’ dol sìos gu cùirt a bu mhò, cuairtichte le tighean àrda, dubha, agus an rathad gu tighinn a mach ás gus an t-sràid troimh chunglach caol, cumhann. Bha cead aig an truaghan bheag a dhol gus a’ chùirt uachdaraich air a coimheadachd le a màthair-chéile. Anns a’ chùirt so bha i ag ràdh a leasain, oir bha ’n seòmar cho dorcha gus nach b’ urrainn di leughadh ann, ach cha ’n fheud i gu bràth dol a sîos an staidheir. Am feadh is a bha ’n sgoileir beag so a’ leughadh bha i ’sealltainn aoibheil, tuigseach; ach mar a bha sinn a’ bruidhinn r’ a màthair-cheile, thàinig an dreach abhuisteach air a gnùis, agus och, dé ’n sealladh sgìos a bha air an aodann òg ud! Ged a bha a màthair-chéile aineolach, agus cumhann ’n a breithneachadh, bha i a réir coslais caoimhneil gu leòir, agus bha ’bhana-mhaighstir-sgoil Shananach a’ tathaich gu riaghailteach anns an tigh, agus a’ cuideachadh leis a’ chreutair òg so a cianalas a chur di, agus ag innseadh di mu Theachdaire eile a thig a steach ged a bhitheas na dorsan dùinte, agus a labhras sìth ris an neach a tha airsnealach. Ach cia liughad mìle creutair a tha ’caitheadh a beatha gun sòlas air bith de’n t-seòrsa so! Oir air mo shon féin deth, dh’ fhairich mi nam bithinn-se ann an àite na mnatha òige so, bhithinn air bhoil a dhol a sìos an staidheir; ach tha sinn an dòchas nach robh smuain mhearachdach de’n ghnè so ann a cridhe-se. Ann an cearnan de India tha taobh a stigh nan tighean cho iomadh-lùbach, frògach, gus am feum neach dol a suas iomadh caol-rathad agus seòmar aghaidh gus an tig e gu seòmar leth-oireach, theagamh ag amharc a mach air mullach an tighe, O mhullach còmhnard nan tighean chithear ’n a uairean sealladh glè mhaith. Ann an àite no dhà, dh’ innseadh domh nach feudadh na mnathan ris an robh mi ’labhairt ceum no dhà de ’n staidheir a dhìreadh gu sealladh de ’n t-seòrsa so fhaicinn; ach an tràth chaidh mi féin air mullach tighe, chunnaic mi iomadh boirionnach air mullach nan tighean timchioll oirnn, cuid diubh ri banas-tighe, agus cuid eile diubh ’g an nigheadh féin. Theagamh nach robh annta so ach seana mhnathan, no feadhainn a bhuineadh de chaste ìosal; ach cha d’ fhuair mi mìneachadh riarachail ’s am bith air a’ phuinc so. An uair a tha cion saorsa phearsanta soilleir r’ a fhaicinn, bha e aig a’ cheart àm soilleir domhsa, gu ’n robh an cion uaigneis a bha draghail domh anns na tighean Eòrpach, r’ a fhaicinn mar an ceudna ann an seòmraichean nam ban Innseanach. Tha ’chuid mhòr de thighean nàisinn an àite air an togail ceithir-chearnach, le cùirt gun mhullach ’s an teis-meadhoin, agus tha na seòmraichean mu ’n cuairt a’ fosgladh do ’n chùirt so. Ma tha uinneagàn air taobh na sràide de ’n tigh, cha ’n ’eil a’ bheag a dh’ fheum air a chur orra. Ann am Bombay chunnaic mi cuid de sheòmraichean nam ban a bha air taobh na sràide de ’n tigh, ach ’s i ’n riaghailt chumanta iad a bhi ’g amharc ris a’ chùirt mheadhonaich. ’N a uairean tha seòmraichean nam ban mu ’n cuairt air cùirt a’ s fhaide a stigh; ach anns a’ chuid a ’s mò tha iad a’ fosgladh a steach o ’n cheud chùirt, air an taobh thall mu d’ choinneamh mar a théid thu steach do ’n chùirt. ’N a uairean tha iad shuas staidheir, ach ag amharc air a’ chùirt cheudna; agus ’n à uairean tha sgàilean (chicks) ’g ad chumail o amharc sìos. Cò aca ’tha thu shuas an staidheir no shìos an staidheir, tha thu air do thoirt a steach do sheòmar ann an tomhas cosmhuil ri sgàth-thigh—le iomadh fosgladh gus a’ chùirt, agus glé thric théid thu á so gu seòrsa de sgáth-thigh eile a’s fhaide a stigh. A fosgladh o so tha iomadh seòmar beag, dorcha agus tha aon air leth diubh air a thoirt do gach mnaoi phòsda ’s an teaglach. Bha mise ann an aon no dhà diubh s’o an uair a chaidh mi leis na ban-lighichean a shealltainn air a’ mhuinntir thinn; ach mur an robh aon ’n a luidhe tinn, bha mi air mo thoirt do ’n t-seòmar choitchionn, o ’m faicinn gu soilleir, mur bitheadh grabhaidhean ann, a’ chùirt, agus gu minic chithinn fir a’ tighinn a steach do ’n chùirt, no a’ dol o thaobh gu taobh di. Gidheadh aig a’ cheart àm bha mi ’faireachdainn gu ’n robh domhne mhòr eadar na fir agus na mnathan. Chunnaic mi tric bean a’ cur gnùis bhrat oirre féin no a’ teicheadh air falbh mar a thigeadh a fear a làthair. Cha ’n fheud i ’fhaicinn no bruidhinn ris ann an làthair muinntir eile; agus tha cuimhne agam an dragh a bh’ aig caileig bhig phòsda ann an aon tigh o luaimneachd balachain a bha ’n a charaid di, a bha ruith a mach agus a steach, agus a’ h-uile uair a thigeadh e ’stigh, dh’ fheumadh i a h-aodann a chòmhdach. Is minic a bha coltas an fhìor dhuine chòir air an dearg-shlaoightire. Cha ’n ann ri ’m faicinn is còir daoine a ghabhail idir. Bidh fuah aigt daoine gu nàdurra do ’n mhuintir do ’n dean iad cron; ach bidh tlachd aca do ’n mhuinntir do ’n dean iad maith. [TD 319] [Vol. 4. No. 40. p. 7] MAR A THOISICHEAS AN AIMHREIT.—Tha seann sgriobhadair ag innse mu dhithis bhràithrean a bha aon oidhche ’gabhail stràide cuideachd. Thug fear dhiubh sùil air na speuran os a chionn, agus ars esan, ‘B’ fhearr leam gu robh agam machair uiread ris na speuran.’ Sheall an darra fear os a chionn, agus thuirt e, ‘B’ fhearr leamsa gu robh agam damh mu choinneamh gach rionnag a tha anns na speuran’. Arsa cheud fhear, ‘Ciamar a chumadh tu biadh ri àireamh cho mòr sin?’ Ars an darra fear, ‘Chuirinn iad a dh’ ionaltradh do ’n mhachair agadsa.’ ‘Gun uiread ’s mo cheads’ fhoighneachd!’ ars am fear eile, ‘gun uiread ’s do chead fhaighneachd.’ Thòisich an trod, ’s an sin an t-sabaid, agus b’e chrioch a thainig air a ghnothuch gu’n do mharbhadh fear dhiubh. Nach beag an rud a thogas an aimhreit. REULADAIR GLIC.—Bha reuladair (no reul-dhruidh) anns an Fhraing ri linn righ Louis XI, agus rinn e fiosachd mu bhàs mnaoi-uasail air an robh gaol aig an righ. Chaochail i mar a thubhairt e agus chuir so a leithid a dh’ fheirg air Louis ’s gu’n do chuir e roimhe an reuladair a chur gu bas. Chuir e fios air, agus thuirt e ris gu crosda, ‘Thusa ’dhuine, a dh’ innseas na h-uile ni roimh ’n àm, innis dhomh cuin a gheobh thu fhéin bàs?’ ‘Gheobh mise bàs,’ ars an reuladair, ‘tri latha roimh ur Mòrachd féin.’ Ghabh an righ a leithid a dh’eagal ’nuair a chual e so ’s gu ’n d’ thug e òrdugh an reuladair a chur ann am fear de na seòmraichean a b’ fhearr ’sa chaisteal, agus deagh aire thoirt dha air eagal gu ’m bristeadh air a shlàinte! Faodaidh deadh fhradharc a bhith aig duine agus gun e dheanamh moran feuma dheth. Tha dearbhaidhean gu leòr againn gu bheil so mar so. Chi gach duine a ni feum dhe dha shuil, gu leor de nithean iongantach a h-uile taobh a théid e. Ach am fear nach toir an aire do na nithean iongantach a tha cho lionmhor mu ’n cuairt dha, cha ’n eil e ’deanamh a bheag a dh’ ’fheum de ’fhradharc. Ma chuireas fiosrachadh agus eòlas agus maoin an t-saoghail so aineolas air cul, faodaidh mòrchuis agus uabhar éiridh suas ’na àite. Tha uabhar agus mòrchuis a cheart cho sgriosail do’n anam ris an aineolas fein. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 320] [Vol. 4. No. 40. p. 8] (Air a leantuinn o ’n 3 taobh.) “Is laoch uasal treun thu,” ars esan. “B’ fhearr leam gu robh do leithid a sheirbheiseach agamsa. Ni mi trusgan rioghail dhe’n aodach so, a ghleidheas mi mar chuimhneachan air do dhilseachd.” Agus thilg a sporan òir air a bhòrd, thog e leis an t-aodach agus dh’ fhalbh e. Agus an gille òg so a bha firinneach ann am beagan, cha robh e gun a dhuais. Dhirich e anns an t-saoghal, ceum air cheum, gus an d’ fhuair e bhi na admiral, agus chuir e blàir as leth a dhùthcha a cheart cho dileas ’s cho treun ’sa reic e aodach a mhaighstir, agus tha ainm MHICHEIL RUYTER, a bha ri ’linn ’s ri ’latha féin iomraiteach air feadh an t-saoghail air fad, air aithris le urram agus blaths-cridhe ann an tir a dhùthchais gus an latha ’n diugh. Agus ma tha aon ni air son am bheil iad ’ga ghràdhachadh na’s mò na chéile, ’s e gu ’n deanadh e an ni bha ceart eadhon ri uchd bàis. Litir a Cuibeic. A CHARAID IONMHUINN:—Tha mi meas gur fhiach sibh creideas a thoirt dhuibh air son an oidheirp a tha sibh a toirt air a’ Ghàilig a chumail suas. Tha mi smaoineachadh gu’m bu chòir do luchd na Gàilig gu lèir còmhnadh a dheanamh leibh, oir cò an cinneach nach seas a mach air son an cànain ’s an dùthaich féin; agus an robh na Gàidheil riamh air deireadh ann an ni sam bith? ’N am bharail féin ’sann a bha iad riamh air toiseach air cinnich eile ann an treubhantas, ann an duinealas agus ann an uaisle inntinn. Ach cha chòir dhaibh a bhi air deireadh ann an cumail suas paipeir ’nan cainnt féin. Ged bhiodh e gle thaitneach leinn sgoil Ghàilig a thoirt do ’n choinn, cha ’n aontaichinn idir ri dhol a chur dragh air luchd-na-Beurla a dh’iarraidh orra sgoil Ghàilig a thoirt dhuinn. Cha dean sinn an gnothuch anns an dùthaich so gun sgoil Bheurla, agus ged a tha cheart uiread còir againn air sgoil Ghàilig ’sa th’ aig na Frangaich air sgoilean nan cainnt féin mar a th’ aca ’sa mhor-roinn so, gidheadh tha iad ’nan uallach ro mhòr dh’ an dùthaich. Saolaidh mi nach eil neach sam bith aig a bheil deagh sgoil Bheurla còmhla ri tàlantan matha nach teid aig air ionnsachadh a Ghàilig a leughadh ’sa sgriobhadh, ma tha Ghàilig air tùs aige féin. ’S mor gu’m b’ fhearr leam féin impidh a chur air luchd-riaghlaidh na dùthcha gun a bhi ann ach aon seòrsa sgoìlean anns nach biodh air a teagasg ach Beurla mhàin. Bhiodh sin a cheart cho feumail ’nar latha-ne ris na h-uile bhi air an teagasg ’nan cànain féin, oir tha uile ghnothuichean na dùthcha air an deanamh anns a’ Bheurla. Faodaidh sinn a Ghàilig a chumail ann an cleachdadh gle mhath le bhi dileas dhi, agus gun a bhi fiachainn ri bhi cho gallda ’s nach dùirig sinn a bruidhinn am fianuis luchd na Beurla. Tha fhios agam nach eil e modhail a bhi bruidhinn cainnt ann an cuideachd nach tuig a’ chuideachd gu léir, ma tha aon chainnt aca gu léir, ach cha mho na sin a tha e duineil do dhuine nàire ghabhail de chainnt a mhàthar. Gu ma fada beò MAC-TALLA chum a’ Ghàilig a ghiulan do gach cearna dhe’n t-saoghal. Tha sneachda mor aig air a dheanamh anns a’ chearna so de’n dùthaich. Tha e ’cur gun stad o mheadhon-latha Dior-daoin, agus tha da throigh aig air a chur a thuilleadh air na bh’ ann roimhe. PEUTNAACH. Milan, Que, April 6, ’96. Iadsan a Phaigh. Alasdair Buchanan, Braidalbainn, E. P. I. Donnacha Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I. Aonghas Mac Neacail, Elliots P. O. E. P. I. I. A. Domhnullach, Amhuinn an t-Sealgair, Domhnull Domhnullach, Tekoa, Wash. Alasdair Mac Aoidh, San Francisco, Cala. Aonghas Mac Aoidh, Providence, R. I. A. W. Mac-an-Toisich, New York. Seumas Mac Ille-mhaoil, Cincinnati, Ohio. Iain Domhnullach, Maplewood, N. H. Mor Nic Cuithein, Brookline, Mass. Domhnull Domhnullach, Steornabhaigh, Que. Iain R. Domhnullach, Whitwick, Que. Z. Peutan, Crossing Mhic Leoid, (25c.) Que. Domh. Mac Fhionghain, Earlswood, N. W. T Iain Mac Gillinnein, Mill Rock, N. Z. I. R. Mac Coinnich, Skye, Ont. Iain Grannd, Lagan, Skye, Ont. ($2.00.) Iain Mac-a-Mhaighstir, Skye, Ont. ($2.00.) D. Mac Gillinnein, Port Hood, C. B. ($3.00) Seumas Mac Neill, Amaguadus Pond, A. R. Camaran, Amaguadus Pond, 25c. S. A. Camaran, Amaguadus Pond, 25c. F. J. Mac Neill, Amaguadus Pond, 25c. Ruairi Mac Neill, Benacadie, Amaguadus Pond, 25c. Aonghas Mac Leoid, Point Aconi, $2.00. Ioseph Domhnullach. French Road, 50c. Domhnull Mac Philip, Loch Lomond, 50c. Iain Peutan, Ridge, Mabou. M. R. Johnstone, Pon Mor. Iain Morieastan, Framboise. D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie, 25c. Ceat C. Dhomhnullach, South Cove. D. Domhnullach,(Gobha) Amhuinn Dhennis. Niall Mac Leoid, (Eildeir,) Port Morien. Domhnull Mac Ille-mhaoil, Glace Bay. Ceat M. Dhomhnullach, Dunbheagain, $3.00 Bean Eobhain Reed, Framboise. Alasdair S. Mac Leoid, Framboise. Domhnull D. Mac Leoid, Framboise. Bean Iain ’Ic Dhiarmaid, Stirling. Seònaid Nic Artair, River Inhabitants. An t-Onarach Uilleam Ros, Halifax. Betsidh Nic Neachtain, Amhuinn a Deas Antigonish. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B. [TD 321] [Vol. 4. No. 41. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 18, 1896. No. 41. Litir a Alba, MO BHALACH GASDA:—Cha ’n ’eil facal de’n MHAC-TALLA a’s cùramaiche a tha mi ’leughadh na ainmeannan na muinntir a phàigh. Bu gle thoigh leam mòran ainmeannan fhaicinn a bharrachd air na bheil mi ’faicinn. Ged nach ’eil eòlas sam bith agam air a’ mhuinntir a phàigh, gidheadh tha meas mòr agam orra, do bhrìgh gu bheil iad a’ nochdadh gu bheil iad deònach a’ Ghàilig a chumail suas. Nan robh mise dlùth dhaibh, bheirinn dhaibh crathad hde m’ spòig glé thoileach. Agus nan tachradh iad rium aig an taigh-òsda dh’ òlainn an deoch-slàinte. An uair a thachras na Gáidheil ri ’cheile ann an duthaich chéin, bidh iad caoimhneil ri’ chéile mar bu chòir dhaibh. Ged nach ’eil àireamh na muinntir a tha gabhail a’ MHIC-TALLA cho mòr ’s bu chòir dhi bhith, tha aon ni a tha ’toirt toileachaidh dhomh dha thaobh, agus is e sin, gu bheil cuid ’ga ghabhail as gach cearn de ’n t-saoghal. Mur do mheall mo bharail mi thig so a chum do mhath an ùine gun bhith fada. Ged a tha am MAC-TALLA gu bhith ceithir bliadhna dh’ aois, tha mòran de dheadh Gháidheil nach cuala guth no iomradh riamh fhathast air. Ma ni iadsan a fhuair eòlas air an dleasdanas, innsidh iad do an càirdean mu ’dheidhinn. Thug e mòr thoileachadh dhomh a bhith ’faicinn gu bheil a dhà de phàipearan naigheachd Inbhirnis ’ga mholadh gu mòr, agus a comhairleachadh do dhaoine cuideachadh a thoirt dha. Tha ni eile air am feum mi iomradh a thabhairt agus is e sin, gu bheil mi ’faicinn ainmeannan mhnathan còire ann am measg ainmeannan an luchd-gabhail. Tha thu suas am bruthach, a laochain, ma sheasas na mnathan air do thaobh. Nan rachainn fhein sgrìob do dh’ America, tha fhios agam gu faighinn aoidheachd gu caoimhneil, toileach, ann an tigh té sam bith de na mnathan còire, cneasda a tha ’ceannach agus a’ pàigheadh a’ MHIC-TALLA. Tha mi ’n dòchas gu lean I. McD. a Prinsbhill, an Ontario, air sgrìobhadh mu eachdraidh an àite anns am bheil e. Ma tha toileachadh agaibhse ann a bhith ’cluinntinn mu chor na seann dùthchadh, tha a’ cheart uibhir de thoileachadh againne ann a bhith ’cluinntinn mu chor nan Gàidheal ann an America. Is math a théid aig I. McD. air Gàilig a sgrìobhadh. B’ fhearr leam gu rachadh aig Gàidheil na Gàidhealtachd air a sgrìobhadh a leith cho math ris. Tha mi ’creidsinn gu bheil fear is fear ann an iomadh cearn de ’n t-saoghal a sgriobhas deadh Ghàilig, agus tha mi an dòchas gu’n toir iad dhuinn sgeul an dràsta ’s a rithist mu thimchioll nan dùthchannan anns am bheil iad a’ gabhail comhnuidh. Is e an diugh latha na gugaireachd. Dh’ fheuch aon no dithis de na coimhearsnaich ri mo chur air ghugaireachd, ach dh’ fhairlich orra. Mar a thuirt an t-seana bho, “Tha mi tuilleadh is sean ’san adhairc air son a leithid.” Ged a chuirteadh air ghugaireachd mi cha ghabhainn gu h-olc e. Is iomadh fear cho math rium a chuireadh air ghugaireachd. B’ aithne dhomh duine laghach a chuireadh astar mor air falbh latha na gugaireachd. Thug tuathanach a bh’ anns an àite litir dha gus a toirt do thuathanach eile a bha mu cheithir mile air falbh. An uair a rainig e taigh an tuathanaich so ’s a thug e seachad an litir, chuireadh a steach do sheomar e, agus thugadh dha làn glaine de dheadh uisge-beatha, agus aran is càise. An ùine gun bhith fada thàinig an tuathanach a steach do’n seòmar far an robh e, agus litir ’na làimh. “Cha ’n ’eil an ni a thainig thu a ’dh’ iarraidh agam, ach theid thu leis an litir so far am bheil mo charaid, Seumas Og,” ars’ esan. “Tha mi ’n dochas gu faigh thu do ghnothuch an sin.” Dh’ fhalbh Domhull gu sunndach. Ged a bha taigh Sheumais Oig tri mile uaithe cha robh e fada ’g a ruithinn; oir chur an dram spreochainn na chasan. An uair a ràinig e Seumas Og ’s a thug e seachad an litir, fhuair e biadh is dram. Mu’n do tharr an greim mu dheireadh a bhith shios aige, dh’ iarradh air falbh le litir a dh’ ionnsuidh a’ mhaighstir-sgoile. An uair a ràinig e am maighstir-sgoile, dh’ innis am maighstir-sgoile dha, gur ann air ghugaireachd a chuireadh e. Bha Domhull bochd car air a thàmailteachadh, ach cha do leig e mòran air. “Mar a chò, chaidhidh,” arsa Domhull. “Is iomadh latha nach d’ rinn mi cho math dheth. Fhuair mi dà dheadh bhiadh, agus dà dheadh dhram. Cha ’na e h-uile fear a tha cho math dheth air latha fuar earraich.” An ceann dà latha ràinig teachdaire Domhull le punnd thombaca a chuir an triuir thuathanach eatorra d’a ionnsuidh. An uair a fhuair e an tombaca thuirt e, “B’ fhearr leam gu ’n cuireadh iad air ghugaireachd mi uair ’san ràidhe.” Is mi do charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH TAOBH AN LOCHA. Sean Fhacail. Am fear a’s treas’ ’an uachdar, ’s am fear a’s luaith’ air thoiseach. Am fear a th’ anns a’ chùil biodh a shùil air an teine. Am fear a theid a dh’ iarraidh an iasaid theid e dh’ iarraidh a’ bhròin. Am fear a theid a ghnà mach le ’lion, gheabh e iasg uair-eigin. Am fear a theid a mach air na h-uaislean, is duine truagh ’am measg chàich e. Am fear a theid do’n bhaile mhor gun ghnothuch, bheir e gnothuch as. Am fear a thig gun chuireadh, suidhidh e gun iarraidh. [TD 322] [Vol. 4. No. 41. p. 2] LOCH-NAN-GARR. (Le Lord Byron.) A m’ shealladh a chòmhnaird, a liosan nan ròsan! ’N ’ur measg-sa biodh mùirnean na sògh ré a shaog’l; Thoir dhòmhsa na stùcan fo ’n t-sneachda le ’shròlaibh An comhnuidh ’tha ’g altrumas saorsa is gaoil! Seadh, Albainn mo chridhe, ’s ro ionmhuinn do bheannta! Mu ’n cinn gheal’, O chithinn, na dùilean ri àr; An àit srùlag uillt chithinn mire ’n Eas steallmhoir— Tha mise an geall air gleann donn Loch-nan-Garr. Ah! ’n sud bha mo cheuman a’ m’ òige gu tlachdmhor; B’i bhoineid an ad leam, b’ e ’m breacan mo chleòc; Mo chuimhn’ air cinn-fheadhna a dh’eug bha mi ’cleachdadh, ’S mi ’mànran troimh ghlacaig na coille gach lò; ’S cha’n iarrainn dol dhachaidh gu ’n ciaradh am feasgar ’S gu ’n seargadh a mhais’ roimh na reultaibh gu h-àrd; Oir sholairinn sùnnt am beul-aithris na h-eachdraidh A gheibhteadh o nàistnich ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. “A thaibhsean nan marbh! nach cual mi ’ur guthan A’ siubhal troimh ’n t-soirbheas air anail na h-oidhch’?” O ’s cinnt’ gu ’m bheil éibhneas air anam a’ churaidh Ri turus trè ghleann féin air sgiathaibh na gaoith. Mu’n cuairt Loch-nan-Gàrr ’n uair a dhùmhlaicheas gaillionn ’S an Geamhradh á ’chathair fhuair reòit’ a’ cur fàilt, Tha neula a’ cuartachadh Chruthan mo shìnnsear ’Tha ’chòmhuidh an sìontaibh ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. “Am fac sibh ’n ur n-aisling, ged bha sibh co treubhach, Gu’n robh e an dàn nach biodh éifeachd ’n ur strì?” Ah! ’m b’ e bhur dàn aig Cuilfhodair gu ’n eugadh? Cha d’ éirich leibh buaidh, ’s ann a thuit sibh ’s an fhrìth; Gidheadh, bha sibh sona! clos talmhaidh an eugaidh ’G ’ur càradh le ’r treubhaibh an uamhaibh Bhramàir; A’ phìobaireachd fuaimneach, do nualan a’ phìobair’,— Sgeul ’ur gnìomh’ air mactalla ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. Chaidh bliadhnachan seach,’ Loch-nan-Gàrr, o’n a dh’fhàg mi; Ni bliadhnachan tàr as mu ’m faic mi thu ris; Sgiol Nàdur de d’ chinneas ’s de phlùraichean t’àill’ thu, Gidheadh ’s tu a’s feàrr leam na còmhnaird réidh’ mhìn’ O Shasuinn! do mhaise tha coitchinn, neo-ghreadhnach Do aon a thriall suas air na beanntaibh gu ’m bàrr; O nach robh mis’ air sgòrr fhiadhaich nan aonach! An glòir chais neo-aobhaich ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. Ead. le NIALL MAC NEILL. AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA. Gheobh sinn barant laidir gu cho-dhunadh gur aon sliochd an cinne-daonna, ma bheachdaicheas sinn air an atharrachadh a thig air creutairean eile ann an cursa aimsir, agus anns na duthchanan fa leth anns am faighear iad. Ma chi sinn an neo-choltaichead is mò eadar dà bheathach a tha gun cheist a’ teachd air tus bho ’n aon fhreumh, nach faod sinn a cho-dhunadh gu bheil an ni ceudna fior mu’n duine? Cha’n ’eil moran ann a chuireas an teagamh gu ’n d’ thainig gach seorsa chalman a tha againn bho ’n aon phaidhir air tus,—tha daoine foghluimte ag innseadh dhuinn gur e an calman gorm a gheobh sinn fiadhaich anns na creagan is sine d’ an treubh,—agus nach lionmhor seorsa a tha againn de gach cruth agus dath; a ris, tha iad ag innseadh dhuinn gu bheil gach gne chon, bho ’n fhear is mò a nuas gus am measan is leibidiche a dh’ fhalbh riabh aig sàil ceaird, a’ teachd gu leir an toiseach bho aon phaidhir. Ma tha so fior, agus cha ’n ’eil an teagamh is lugha r’ a chur ’s a’ chuis, nach ’eil e a cheart cho coltach gu bheil an duine mar an ceudna a’ tighinn bho aon stoc? Am measg gach eadar-dhealachaidh a fhuair sinn eadar duine agus duine cha ’n ’eil bealach a choir cho farsaing ’s a tha eadar cuid de na creutairean a dh’ ainmich mi. A ris, an uair a chi sinn an caochladh mor a ni mùthadh cor, suidheachaidh agus aite-tuinich anns na creutairean sin, tha an co-dhunadh ceudna ’g a sparradh fein oirnn—gu bheil na ceart aobharan sin a’ togail gach eugsamhlachd a chi sinn ann an cumadh agus ann an coltas ar co-dhaoine, c’ aite air bith am faighear iad. Tha steidh eile againn air son na barail—gur aon an cinne-daonna—anns na h-eachdraidhnean a gheobhar air an sineadh a nuas le beul-aithris o linn gu linn, am measg uile fhineachan na talmhainn. Cha ’n e gu bheil am beul-aithris so air sheol sam bith airidh air gu’n tugamaid geill dha gu saor—oir is iomadh sgeul neonach agus faoin a tha am measg dhaoine aineolach mu chiad thoiseach a’ chinne-dhaonna—ach is e a tha gu h-araidh luach-mhor dhuinne, an aon-sgeulachd leis a bheil iad gu leir a’ cur an ceill nan aon bheachdan mu ’n doigh anns an do chruthaicheadh an duine, agus an co-chordadh a tha eadar iad mu chiad eachdraidh a’ chinne-dhaonna—co-chordadh nach b’ urrainn a bhi ’n am measg na ’m biodh a phriomh athair fein aig gach gineal fa leth. Anns na h-eachdraìdhnean neo-sgriobhte so aca, gheobh sinn cunntas mu chruthachadh an duine; mu Ghàradh Edein; mu bhuaireadh agus mu thuiteam an duine; mu neo-chiontachd, mu shonas, agus mu chor an duine air tùs, agus mar gheill e do chomhairle na mnatha; agus, mu thuil Noah. Chi sinn aimsir air a roinn ’n a seachdainean anns gach cearn d’ an t-saoghal, agus ìobairtean air an tairgseadh am measg uile shloigh a’ chruthachaidh. Tha fhathast tuilleadh fhianuisean againn ri thoirt air an aghaidh as leth an tagraidh a tha sinn a’ deanamh air son aonachd a’ chinne-dhaonna; agus is e aon diubh sin, an taisbeanadh a tha againn ann an cor-inntinn agus bheusan agus aignidhean dhaoine de gach dath agus de gach gineal. Am feadh a chi sinn moran eadar-dhealachaidh ann an suidheachadh-inntinn threubhan fa leth, chi sinn aig a’ cheart àm gu bheil ’n am measg moran chomharan anns a bheil iad coltach r’ a cheile: leig sinn fhaicinn cheana cuid de dh-aobharan an eadar-dhealachaidh. Tha an duine anns gach ionad a’ tighinn a dh-ionnsaidh an t-saoghail lag agus neo-chomasach air deanamh air a shon fein; agus ma dh’ fhagar ’inntinn gun fhoghlum gun oileanachadh fàsaidh e suas ’n a chreutair borb agus aineolach. Air an lamh eile, chi sinn gu bheil e air a chruthachadh le comsan aige air gliocas ’fhoghlum, agus buaidhean air an suidheachadh ’n a inntinn, aig a bheil cumhachd fas agus dol am feobhas agus am farsaingeachd. Is i so an fhianuis a tha air a togail leis na missionaries agus le luchd-turais do gach cearn. An uair is isle an duine, agus an uair is truaillidhe a chor, tha fhathast freumh bheag de eolas agus de thogradh ann an geall air rud-eigin os cionn cor nan ainmhidhean a tha m’ an cuairt aìr—deigh air ni-eigin is airde na ’n suidheachadh truagh anns a bheil e gu nadurra. An uair a theid cothroman air e fein a leasachadh a chur m’a choinneimh, a reir mar ghabhas e riutha agus a chuireas e an cleachdamh iad, eiridh e suas ann an gliocas; theid a chor dìblidh, bochd air chul, agus theid e air aghaidh gu inbh is airde. Agus a bheil e fior, ma ta, na ’n tugteadh a nall aon de na daoine borba, aineolach sin an uair a tha e ’n a leanabh, agus gach cothrom a thoirt dà a tha aig clann na duthcha so, a bheil sinn a’ [TD 323] [Vol. 4. No. 41. p. 3] creidsinn gu ’n nochdadh e a’ cheart tapachd ann an togail foghluim agus gu ’n ruigeadh e air urad aghartachd ann an eolas agus ann an gliocas ri aon againn fein? Is duilich a’ cheist so a fhreagairt. Na ’n tugteadh e far am faiceadh e moran d’ an ghrainealachd agus d’ an droch eisimpleir a chuireadh moran de mhuinntir na tire so mu ’choinneimh, cha chuirinn geall nach ann a rachadh an duine bochd air ais ’n a bheusan, mar thigeadh e air aghaidh ann an sgoil agus ann an eolas. Tha cuimhne agam air duine bhi ag innseadh dhomh uair, gu ’n do ghabh e uibhean chearc, agus gu ’n do chuir e ann an nead feannaig iad, aig a’ cheart am a’ toirt air falbh uibhean na feannaig. An uair a thainig an gur a mach, thog e leis na h-iseanan á nead na feannaig, agus chuir e ri circ iad. Bha e ag radh, an uair a chinn iad suas, gu ’n robh de nadur na feannaig annta—gu sonraichte anns na coilich—’s nach robh an leithid ann an darna taobh na duthcha; chuireadh iad na sùilean as a’ h-uile coileach a bhiodh air an fhaiche, latha cath nan coileach! Is gann a chreid mi an duine coir; agus cha mhò a theirinn gu’n cuireadh e nadur, no foghlum, no oilean a’ Bhreatunnaich ann an leanabh Africanach, ged rachadh a thogail a nall agus a chur ann an nead maighstir-sgoil no ministeir anns an duthaich so; oir, ged nach àicheidhinn gu’m faodar iomadh aon ’fhaighinn am measg nan daoine dubha a bhiodh a cheart cho comasach air sgoil a thogail rinn fein, cha ’n ’eil mi a’ meas gu bheil an coimeas idir ceart no freagarrach eadar ginealach a tha ann an dorchadas agus ann an aineolas fad choig mile bliadhna, agus muinntir mar tha sinne ann, a tha fad linntean a’ sealbhachadh airde mheadhon latha gach eolais aimsireil agus spioradail. Ma tha buaidh aig eolas agus fiosrachadh, agus cor agus suidheachadh an duine air dealbh agus cruth a’ chuirp cho math ri buaidhean na h-inntinn, cha b’ ann rè beatha aon duine a bu choir suil a bhi againn ris an aghartachd sin a chuireadh an t-Africanach bochd, ge b’e air bith cothroman a bheirteadh dha, air an aon ruith ruinne, a tha ag òl a stigh eolais agus gliocais as na ciada tobar o chionn iomadh linn. Sgeulachd mu Chaisteal Loch-nan-eala. Bha àm ann roimhe so, ’nuair bha seann chaisteal Loch-nan-eala ’an làmhan Shir Donnachaidh Chaimbeil, agus bha seirbheiseach dìleas aige ris an abradh iad Calum. Rugadh an duine so ’an Leideag, far am beil an taigh-òsd an dràsd, agus ’nuair a bha e mu dhà bhliadhna dh’ aois, chaidh a mhàthair a mach latha bha ’n sud do’n chruach mhoine. Thug i leatha ’m pàisdean, agus dh’ fhág i an àite dluth air làimh e, far an do shaoil i gu’m bitheadh e tearuinte gu leoir, ach cha robh e cho tearuinte ’sa bha sùil aice. Cha robh a’ bhean fad ag obair nuair a mhothaich i seòrsa dorchadais a’ tighinn air an àite, agus chual’ i aig a’ cheart àm srannraich ard sgiathan. Mu ’n deach urrad uine ’sa tha e gabhail ra innseadh seachad, theirinn ìolaire mhor agus thug i an leanabh leatha. ’Sann an sin a bha’n tuireadh! Chuir a’ bhean na pàisdeanan a bha mu’n cuairt oirre aig an àm a dh’ iarraidh cuideachaidh gun mhoille, ’s ruith i fhein dhachaidh, a dh’ innseadh mar a thachair. ’N uair a bha i a falbh, choinnich i a bràthair, agus bràthair a h-athar, dha’n d’ aithris i an sgeul bronach. Chunnaic iad an iolaire a fàs na ’s lugha agus na ’s lugha a h-uile mionaid leis cho luath ’sa bha i ag éiridh, agus mu dheireadh, dh’ fhalbh i null air a’ mhuir rathad na h-Apuinn. Air sin fhaicinn, ruith iad sios dh’ ionnsuidh an aiseig air ball, agus mar bha bata ann deas gu seòladh leum iad a staigh innte, agus beagan ghillean eile a chruinnich le glaodh na mna a cluinntinn. Cho luath ’sa thàinig am bata dh’ ionnsuidh an rudha tha ’n sud, chunnacas an iolaire teirinn a rithist faisg air caisteal Loch-nan-eala. Ged bha sin fad’ as bhuapa, cha robh iad fada ’ga ruigsinn, oir bha sgàirt math gaoithe ann aig an àm. Cho luath ’sa fhuair iad a staigh aig Port-an-duine, ruith fear dhiùbh suas do ’n fheoran fa chomhair a’ chaisteil far an d’ fhuair e an leanabh òg gu slàn tearuinte. An déigh do’n leanabh fàs mòr chaidh e mar sheirbhiseach do Loch-nan-eala, agus bho na chunnaic an duin’ uasal sin cho dileas ’sa bha e anns gach cùìs, rinn e ’na ghlocoman e dha fein. La dhe na laithean thàinig càirdean a’ Chaimbeulaich aig an robh ard-ghille crosda, dranndanach, mòr, as an Taobh Tuath, a choimhead air. Cha robh iad fada ’sa chaisteal nuair a dh’ éirich aobhar aimhreit eadar an ard-ghille so agus aon de Chloinn Chaimbeul. Thainig an droch cordadh gu bhi dùrachdach ’s gu ’n robh feum aig Loch-nan-eala féin a dhol eatorra, agus ma chaidh, theab gu’n do chuireadh as da leis a’ choigreach mhòr às an Taobh Tuath, gus an d’ thug e buille dha leis an do bhàsaich e. Nuair a thuig ceann-cinnidh an duine a bha air a mharbhadh cionnas a chaidh air, dh’ fhalbh e ’na chabhaig mhoir da thir fhein. Cha robh e fada air falbh gus am facas, la bha ’n sud, a bhirlinn a tighinn air ais leis, le cobhar geal fo a toiseach, agus a’ mhuir bho ’a deireadh mar chathadh sneachd air aghaidh an loch. Bha cuideachd lìonmhor ann fo làn armachd, a thainig comhla ris, a ghabhail dioghaltais airson a’ ghille a chaidh a mharbhadh, no Loch-nan-eala fein a chur gu bàs nam bitheadh sin nan comas. Nuaìr a chunnaic Calum co bh’ann, agus a’ chabhag a bh’ air a’ bhata, thuig e aobhar an tighin, agus dh’ iarr e air a’ cheann-cinnidh ‘fhalluinn ùr bhriagh’ a thoirt dha, air chor ’s gu’n rachadh e féin a mach agus gu’m marbhadh iad esan ’na àite. Ach bha Loch-nan-eala na dhuine cothromach, caoimhneil, agus cha’n eisdeadh e ri leithid; a bharrachd air sin, bha gràdh aige do Chalum bhochd. Mar sin chaidh e staigh ’an toll beag dorcha ’sa’ chreig air a bheil earrann dhe’n chaisteil air a thogail, agus la tha ainmichte mar an leabaidh fhalach gu ruig an la an diugh. Mhair e ann fad moran sheachdainean, agus thug Calum dileas biadh agus deoch dha an sin tri uairean a u-uile la. Mu dheireadh thall, thainig Calum agus dh’ innis e dha mar bha eagal air an fhine uile roimh ’n choigreach chumhachdaich a bha ’sa’ chaisteal, agus mar nach bitheadh sith do’n duthaich fhad’ ’sa bha an Caimbealach beò. Thubhairt Calum a nis gu’n robh feum aige ’fhalluinn ùr a thoirt dha agus gu’m bàsaicheadh e ’na àite, agus cha robh e ag iarraidh rud sam bith airson na seirbhis so ach gu’n cumadh a cheann-cinnidh a bhean agus a phaisdeanan gu math fhad ’sa bhitheadh feum aca air cuideachadh. Bho nach gabhadh Calum diùlltadh, thug Loch-nan-eala ’fhalluinn dha mu dheireadh thall an deigh deasboireachd fhada, agus chaidh Calum a mach a shiubhal air an fheòran fa chomhair a’ chaisteil. Cho luath ’sa chunnaic am fear faire bho’n Taobh Tuath e, shaoil e gur e ’n Caimbeulach a bh’ ann, agus thilg e e le saighead a chaidh troimh a cridhe. Nuair a thainig beul na h-oidhche, chunnacas siùil gheala na birlinn air an sgaoileadh ris a’ ghaoith a rithist oir cha robh toil aig a’ choigreach fuireach tuillidh ’sa chaisteal an deigh, mar a shaoil leis an Caimbeulach a mharbhadh. Mar so thugadh sith air ais do’n dùthaich troimh dhillseachd Chaluim. Nuair a thog a chairdean a chorp, fhuair iad a mach gu’n deach a mharbhadh ’san dearbh àite ’s an do leig an iolaire air làr ’na leanabh e. CREAG-AN-FHITHICH. [TD 324] [Vol. 4. No. 41. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APRIL 18, 1896. Bha a Phàrlamaid ’na suidhe agus ag obair air an Remedial Bill air an t-seachdain s’a chaidh, bho thri uairean feasgar Di-luain gu meadhon-oidhche Di-sathurna, sia fichead uair ’sa naodh air fad. Cha’n eil cùnntas air pàrlamaid sam bith eile bhi ’na suidhe ùine cho fada. Air an t-seachdain so, bha i ’na suidhe bho fheasgar Di-luain gu maduinn Dior-daoin. Chaidh an uair sin am Bill a leigeadh seachad, oir leis an ùine bhi fás goirid, agus moran connsachaidh ’ga dheanamh mu thimchioll a bhill, cha ghabhadh crioch cur air an turus so. Feumaidh a’ phàrlamaid sgaoileadh air a’ cheathramh latha fichead, ach dh’ fhaoidte gu’n sgaoil i latha no dha roimhe sin. Tha ceannairc air bristeadh a mach am measg nam Matabeles an ceann a deas Africa. Buinidh an dùthaich anns am bhéil iad do Bhreatuinn. Air an t-seachdain s’a chaidh thug buidheann mhor dhiubh garg ionnsuidh air feachd Breatunnach anns nach robh ach gann seachd fichead, ’g an cuartachadh gu h-iomlan. Chog na Breatunnaich gu treun agus ghearr iad rathad trompa, a marbhadh mu cheud gu leth dhiubh. Bha coignear de na Breatunnaich air am marbhadh agus sia deug air an leòn. Bha na daoine dubha air an deagh armachadh. Tha a’ cheannairc ’nam measg a sior sgaoileadh, agus tha e coltach gu’m bi iad gle dhraghail do na daoine geala a chuid a’s fhearr dhe’n t-samhradh. Tha na Stàitean a nise dol a dh’ amharc air ceannaircich Chuba mar luchd-cogaidh, mar sin ’g an cur air an aon bhonn ris na Spàinnich fhéin. Tha iad mar an ceudna ’dol a dh’ iarraidh air an Spàinn an saorsa thoirt do na Cubaich, agus an t-eilean fhàgail aca fhéin. Cha chòrd sin ach gu h-olc ris na Spàinnich, ach cha’n urrainn daibh moran a dheanamh. Cha ’n eil ach an droch choltas air gu’n teid aca air an t-eilean a chisneachadh. Tha an aimsir fhliuch a nis air tòiseachadh, agus cha seas an cuid shaighdearan ann an Cuba idir. Cha’n eil Breatuinn a’ faotainn air adhart ’san t-Soudan cho math ’s bu mhath leatha. Tha ’n t-slighe fada agus doirbh a h-imeachd, agus tha an teas a’ cur grabadh mor air na saighdearan, moran dhiubh a toirt suas le tinneas air a thàileabh. Tha an cogadh gu bhi anabarrach cosgail. Thatar an dùil an drásda nach deanar spàirn mhor sam bith gus a chur air adhart gus an tig am foghar, ’nuair a bhios a chuid a’s miosa dhe’n teas seachad, agus a bhios e na’s usa do na saighdearan an gnothuch a dheanamh. Tha treubh Innseanach (na six nations) anns an Iar Thuath ag iarraidh air Riaghladh Chanada réiseamaid a thogail anns nach bi duine ach muinntir na treibhe. Cha chuala sinn co-dhiu tha no nach eil an riaghladh a dol a dheanamh sin, ach ma ni bidh aig Canada ni nach robh aig dùthaich an America riamh, Reiseamaid Innseanach. Cha’n eil teagamh ’nan gabhadh earbsa cur annta, nach biodh iad ’nan deagh luchd-cogaidh. Tha muinntir nan Stàitean aa deigh moran airgeid a chur cruinn air son cuideachadh leis na h-Armenianaich, ach cha’n eil guth no iomradh aca air ceartas fhaicinn aig na daoine dubha a thatar a sgrios nam measg fein. Ach dh’ fhaoite gu’n gabh na Turcaich truas riutha ’s gu’n cuir iad a nall cuideachadh. Tha iad a deanamh a mach gu bheil sia muilleinean deug air fhichead de làmhannan air an cosg ann am Breatuinn na h-uile bliadhna, fiach fichead muillein dolair. Tha a chuid mhor dhuibh air an cosg le boirionnaich. Tha aon chuideachd a tha deanamh lamhannan a toirt a bheag no mhor a dh’ obair do dheich mile duine. Ann am baile Worcester leis fhéin, tha streath de dh’ fhactoridhean anns am beiltear ’gan deanamh, a tha faisg air coig mile dh’ fhad. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 325] [Vol. 4. No. 41. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha an t-Urr. H. S. Smith, a bha roimhe so a’ saoithreachadh ann an Springhill ri bhi air a phòsadh ris an Eaglais Bhaisteach ’sa bhaile so Di-màirt s’a tighinn. Thainig a cheud soitheach a stigh do Phort Hawkesbury Di-luain s’a cdaidh le luchd bathair á Halifax. Tha an caolas cuibhteas deigh o chionn còrr us da sheachdain. Shearmonaich an t-Urr. Dr. Murray a shearmon mu dheireadh ann an Sidni Tuath la na Sàbaid s’a chaidh. Tha e dol a dh’ fhágail a’ bhaile ’sa dol a dheanamh a dhachaidh an deigh so ann an New Glasgow. Bha Brennan, am fear a mhort am bancair Strathy ann am Barrie, Ontario, toiseach an earraich, air fheuchainn aig cùirt an la roimhe, agus fhualreadh ciontach e. Tha e ri bhi air a chrochadh aia an naodhamh latha fichead dhe’n Mhligh. Chaidh a’ cheud luchd soithich de rionnach an earraich so a stigh a New York air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an t-iasg a reic air da fhichead sent ’sa còig (45c) am fear, a phris a b’ àirde fhuaireadh air rionnach anns na Stàitean riamh. Tha Mr. A. G. Mac Gilleain an deigh ’aite-suidhe ann an Comhairle a bhaile a leigeadh bhuaithe. Tha dithis a’ dol a dh’ fheuchainn ri faotainn a stigh ’na àite, Mr. Walter Crowe agus Mr. Cailean Mac Fhionghain. Tha ’n taghadh ri bhi ann air an naodhamh latha deug dhe’n Mhàigh. Tha àireamh mhor de mhuinntir na dùthcha so a falbh do na Stàitean, mar is abhaist a h-uile toiseach samhraidh. Di-màirt s’a chaidh, chaidh còrr us ceud thairis air Caolas Chanso, ’s iad uile air an t-slighe gu tri nan Geancach. Ach cha’n eil an tir sin idir cho math a thaobh cosnaidh ’sa bha i o chionn coig no sia bhiadhnaichean. Anns a bhliadhna 1885, ’nuair a bha ceannairc Louis Riel air a cur fodha anns an Iar Thuath, theich treubh de dh’ Innseanaich (na Crees) a bha ’sa cheannairc leis, thairis air a chrich a tha eadar Canada agus na Stàitean agus rinn iad an dachaidh ann am Montana. Tha Riaghladair na stàite sin a nise deònach a bhi cuibhteas iad, ged nach eil olc sam bith aige ri chur as an leth, agus aontaichidh riaghladh Chanada ri ’n tilleadh air ais dh’an dùthaich féin ma tha iad deònach tighinn. Tha coig ceud ann dhiubh air fad. Di-sathairne s’a chaidh, bha àireamh mhor dhaoine ag obair air marbhadh ròn air an deigh air cladach Newfoundland. Thainig a ghaoth mu’n cuairt agus bha ’n deigh air a séideadh a mach, ’s chaidh coignear dhaoine a ghiùlan air falbh air pios dhi. Bha fear diubh sin air a mhealachadh gu bàs, chaidh dithis a shàbhaladh le soitheach-smùide a thainig an rathad, agus thatar a deanamh a mach gu robh an dithis eile air am bàthadh. Bha moran eile air an giulan air falbh, ach fhuair iad gu tir mu’n deachaidh an deigh ach astar beag bho thir. Bha stoirm fhiadhaich ann an Deniver, an Colorado, toiseach na seachdain so. Shil moran uisge, agus bha e eadar troigh us tri troighean a dhoimhnead air an talamh iseal. Ann an cearnan eile dhe’n stait ’se sneachda bha tuitean. Ann an aon àite bha na carbaid-iaruinn air an séideadh bhar nan rails agus air an tilgeil an clais an rathaid. Agus ann an àit eile thuit frasan de pholl dhubh agus dearg a chòmhdaich na taighean. Thainig fear Iain Mehlman a bha fuireach faisg air Liverpool ri bheatha féin a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Bha e air tigh’n dhachaidh á Gloucester, far an robh e fuireach àireamh bhliadhnaichean, air son a shlàinte. Thainig a mhac á Gloucester gus a thoirt air falbh a rithist, ach cha robh toil aige sin a dheanamh, agus chuir e crioch air fhéin le peilear. Dh’ fhàg e roinn mhath airgeid, agus taighean ann an Gloucester. Chaidh duine do’m b’ ainm Ioseph Stevenson, agus gille do’m b’ ainm Rob Carson, aois dha bhliadhn deug, a mharbhadh leis a charbad-iaruinn faisg air baile St. John, N. B., Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad fhéin us fear eile ann an carbad còmhdaichte a dol dh’ an bhaile a reic bainne, agus air dhaibh a bhi dol tarsuinn air an rathad-iaruinn, thainig an carbad orra gun fhios daibh. Chaidh an treas fear a leònadh, ach cha’n eil e coltach gu’n toir e bhàs. BAIS. Ann an Coxheath air a cheud latha de dh’ April, Niall Mac Phàrlain, 84 bliadhna dh’ aois. Rugadh e ’san Eilean Sgiathanach, agus thainig e mach dh’ an dùthaich so ’sa bhliadhna 1830. Bha e còmhnuidh air an Amhuinn Mheadhonaich fad dha fhichead bliadhna. Ann an Sidni, Di-màirt, an 14mh latha de dh’ April, Fionnladh Mac Aonghais, 79 bliadhna dh’ aois. Rugadh e anns na h-Earadh, agus thainig e mach ’nuair a bha e gle òg. Bha e ’g obair anns a Mhèinn-a-Tuath da fhichead bliadhna. Bha e ’na dhuine còir, siobhalta, air an robh meas aig na h-eòlaich uile. Ann am Mira air an 8mh latha de dh’ April, Aonghas Mac Cuthais. Bhuineadh an duin’ òg so do Rathad Chatalone, agus air dha bhi tinn thainig e dh’ amharc a’ chàirdean ann am Mira, an dùil gu rachadh e ’na b’ fhearr le ’obair fhàgail. Ach ’s ann a chaidh e na bu mhiosa, agus chaochail e. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh, agus bha e air a thiodhlacadh Di-sathairne. Bha e ’na ghille measail, agus tha co-fhulangas aig na h-eolaich uile ri phàrantan. Aig taobh an iar Leitches Creek, air an 11mh latha de’n mhios so, Eòin Mac Illemhaoil (mac ’Illeasbuig bhàin) ceithir bliadhna fichead a dh’ aois,—R. I. P. Am fear a thug buaidh air féin, thug e buaidh air nàmhaid. APRIL, 1896. 1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige). 2 Dior-daoin 3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda. 4 Di-sathairne. An Crt’l mu dheir. 8.10 feasg. 5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge. 6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865. 7 Di-mairt. Fhuaireadh Canada, 1499. 8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann, 1818. 9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747. 10 Di-haoine 11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi, 1689. 12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg. 13 Di-luain. An Solus Ur. 0.9. maduinn. 14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835 15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich. 16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746. 17 Di-haoine. An Fheill Donnain. 18 Di-sathairne. An Fheill Mholis. 19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge. 20 Di-luain. A cheud chairteal, 6.33, fessg. 21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653 22 Di-ciaduin. Breth Sheu’s Ghreumaich 1765 23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661 24 Di-haoine 25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057. 26 DI-DONAICH. III. Di-donaich ’deigh Càisge. 27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad. 28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair, Righ Alba, 1124. 29 Di-ciaduin 30 Di-daoin. Blar Fontenoi, 1745. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 326] [Vol. 4. No. 41. p. 6] TAIGHEAN BHAN ANN AN INDIA. (Le Miss Rainy.) Chà ’ne gnothuch nam banna-mhaighstirean-sgoil Sananach tathaich ann an seòmraichean nam fear ann an tighean a mhuinntir an àite; agus air an aobhar sin, cha ’n urrainn domh a’ bheag a ràdh timchioll orra. Tha air a ràdh ’s a’ choitchionnas gu ’m bheil iad air am fùirneiscachadh na ’s fearr na feadhainn nam ban; agus anns a’ bheagan diubh a chunnaic mise, bha e coltach gu ’n robh so fior. Ach ’se mo bheschd, eadhon ann an teaghlaichean a tha ann an cothrom maith, gn ’m bheil araon fir agus mnathan toilichte le tighean anns am bheil na ’s lugha a dh’ fhùirneis na ’shaoilamaid. Tha seòmraichean nam ban co-dhiù, fadal o bhi aoibhei, oir tha iad aona chuid fìor fhalamh agus lom, no lan de nithean nach fiù cosmhuil ri seomar dhraighneichean. Tha dealbhan neo-ealantà crochta air na ballachan, le dall-uinneagan no budhailtean, tha air a ràdh a tha air son lòchrain, ach glé thric chithear annta ìomhaigh ghreannach no faoin-chruth air-eigin. Air uairean chithear leaba no dhà, air uairean eile ciste no bocsa; agus fodhpa no air an cùlthaobh so, tha trealaich gun fheum air a thilgeadh. Tha luchd-tathaich tric a’ suidhe air aon de na leapaichean, air cathair no air stol: ach ni na mnathan Innseanabh féin guradan no crùban air an làr agus seallaidh iad gle mhi-fhoiseil ’n an suidhe air caithrichean anns na taighean-coinneimh. Tha suidheachan, cosmhuil ri greallaig, an crochadh o mhullach a stigh an taighe tric r’ am faicinn. Ach b’ e sealladh ro thearc bòrd fhaicinn ann an aon de na tighean bhan anns an do thathaich mise. Bha lìn an damhain-allaidh lionmhor annta, oir tha e mi-shealbhach damhan-allaidh a mharbhadh. Cha mhaith leotha cuileag de ghnè ’s am bith a mharbhadh, ach theagamh nach eil iad ’n an dragh do mhnathan India; agus anns an tir theth feumar gach dìchioll a dheanamh gu cur às doibh. Ann a bhi ’tathaich thighean bhan, tha e ’na ni deuchainneach nach ’eil fhios aig neach de fheudas e thoirt dhachaidh leis. Tha mi ’n duil gu ’m bheil deadh bhuaidh aig cuairtean ar ban-teachdairean air na tighean bhan, ged nach gabh iad tric gnothuch ri nithean a bhuineas do bhanas-tighe. Ann an aon tigh bha ’n t-ùrlar gu cabhagach air a nigheadh, oir chualas gu’n robh sinne anns a’ choimhearsnachd, agus mar a ràinig sinn fhuair sinn e fliuch. Ann an àireamh de na tighean anns an do rinn fòghlum adhartas, agus gu h-àraid far an robh firionnaich an tighe a’ measgachadh leis an t-sluagh nach buin do’n àite, tha oidhirp shònruichte air a toirt gu ’bhi ’deanamh nithean comhfhurtachail agus speisealta. Bha aig a’ chuid mhòr de mhnathan-uaisle Mhadrais buill a dh’airneis Shasunnaich ’n an seòmraichean. Ann an Calcutta, thathaich mi ann an aon tigh mòr, maiseach; bha na seòmraichean iochdarach air an cur air leth air son nan daoin’-uaisle, agus bha na seòmraichean uachdarach, a bha ro eireachdail, air an cur air leth air son bean an tighe. Bha aice so seòmar-cuideachd air fhùirneiseachadh gu snasmhor le inneal-ciùil agus mar sin sios, agus na h-uinneagan ag amharc thar preasarnaich bhòidhich rathad a’ bhaile mhòir. Bha’n seòmar-cadail agus an seomar-cloinne dìreach loinneil. B’ e ’n t-aon chamadh ’s a chranchur aice so, gu’m b’ fheudar di fuireach ’n a h-earrain féin de’n tigh. Bha aon ni nach d’ thàinig am fradharc cho mòr agus a shaoil mi anns na tighean Hindùach; ged a tha mi ’creidsinn gu’n robh e ’laithir ann an oisean dorcha air chor-eigin. ’S e sin an seomar a tha air a chur air leth do dhia an teaghlaich, far am bheil (pujah) aoradh air a dheanamh às an leth a’ h-uile latha le sagart an teaghlaich. Cha ’n ’eil idir aca an dleasnas ris an abair sinn aoradh teaghlaich. Chunnaic mi seana bhean-uasal ghràdhach Bhengalaich, té a réir coslais nach ’eil fada o rìoghachd Dhé, agus a bha air tùs air a’ tarrainn gus a’ chreideamh Chriosdaidh le ’bhi ’toirt fainear gu’n robh againn a’ leithid de ni agus a bhi ag ùrnuigh comhla, no mar a theirear ùrnuigh aonaichte. Rinn so greim air a h-inntinn mar ni a bha ro thaitneach, agus mar ni air nach cual i iomradh riamh roimhe. Tha ann an cuid de dhoighean dealachadh iongantach eadar buill fa leth de theaghlach Hinduach, a’ toiseachadh leis an deallachadh eadar na mnathan agus na fir, agus a’ filleadh a steach ann bhiadhan, aoradh agus mar sin sios. Cho fada agus a’s aithne dhomhsa, a mach o amanan àraid mar a tha na firionnaich aig cuirm comhla ann an aon earrainn de’n tigh, agus na boirionnaich comhla aig cuirm ann an earrann eile deth, cha’n eil dad de nàdur cuirm comh-chomunnaich aca mar a tha ’n ar measg-ne. Cha ’n fheud am fear itheadh comhla r’ a mhnaoi, ach tha i a’ frithealadh dha, agus tha i a’ gabhail de’n chòrr a dh’ fhàgas esan—no ’g a chomh-roinn uirre féin agus air a cloinn. Agus a dh’ aindeòin so uile, tha seadhan ann, anns am bheil an teaghlach cho dlùth cheangailte r’ a chéile gus nach ’eil gach pearsa air leth cunntasach air a shon féin no air a son féin, agus cha mhò tha saorsa no roghainn aca dealaichte o aon a chéil. Cha ’n ’eil am fear a’ ròghnachadh a mhnatha féin no a cheird féin no ’àite-còmhnaidh féin. Tha so uile air a dheanamh air a shon leis an teaghlach. Tha gu tric cosnadh nam ball a ’s òige ’s an teaghlach air a chur ’s an aon sporran gu ’bhi air a fhrithealadh a mach le ceann an teaghlaich. Agus ma chuireas sinn ris a so, an creideas a th’ aca gu’m bheil gach ceum is gnìomh d’ am beatha òrduichte le Dàn do atharraichte (inexorable Fate) ’s e ’n t-ioghnadh nach ’eil an coguis agus an saor-thoil gu h-iomlan air am mùchadh. Tha glé thric mòran sluaigh ann an teaghlach Hindùach. Tha ’s a’ choitchionnas a’ tamh fo chromadh an aon tighe r’ am pàrantan na mic phòsda, oghachan a thàinig g’ am meudachd, mic bhràithrean, agus feadhainn eile a th’ ann an tomhas mòr no beag an crochadh air ceann an teaghlaich. Cha ’n ’eil ceann ’s am bith air a dheanamh ri nigheanan an tighe. Feumaidh iad cho luath agus a cheadaicheas a’ chùis e, a bhi air an cur air cùram màthar-céile; ach ma thig aon diubh gu mi-fhortanach gu bhi ’n a bantraich mu ’m pòs i, tre bhàs a’ bhalachain eadar i féin agus esan an robh am pòs-ghealladh, is ionann sin agus bàs gach dòchais a th’aice anns an t-saoghal so, no ann an saoghal eile. O so a mach, tha i beò ’n a h-aonar ann an tigh a h-athar, agus a h-uile neach a’ meas gu’m bheil mallachd ’n a luidhe uirre, agus cha chòir di seudan ’s am bith a chur uirre, agus cha chòir bi a chaitheadh ach Sari garbh, gun dath. Is còir di trasgadh deuchainneach fhulang a nis agus a rithist; is còir a cumail fad na làimhe uait, air eagal gu ’n tuit a faileas air neach a ’s fortanaiche na i fein; is còir di ’bhi ’nr ban-sguidealair an teaghlaich. Ach ’n a uairean, tha ’n creutair a bha air tùs air a chruthachadh ann an ìomhaigh Dhé, a’ toirt buaidh air iarrtasan creud dhiabhluidh de ’n t-seòrsa so, ach co-dhiù, cha [TD 327] [Vol. 4. No. 41. p. 7] téid fìrinnean a’ Bhìobuill a steach do na h-ionadan-còmhnaidh tiamhaidh so, gun ni-eigin de chomhfhurtachd fhágail ’n an lorg. Gidheadh, a dh’ aindeoin gach aotromachadh air an doilgheasan, tha crannchur nam bantrach beaga so ro mhuladach agus tha na buairidhean d’ am bheil iad buailteach ro eagalach. Cha mhòr nach ’eil e cinnteach gu’m bi bantraichean aig iomadh aois anns an tigh; oir de bhoirionnaich India tha ’n sèathamh pearsa ’n a bantraich. Tha rud-eigin de mheas air a’ chuid diubh aig am bheil mic; agus ma tha màthair fhir an tighe beò, feudaidh i, ged a tha i ’n a bantraich an teaghlach gu léir a riaghladh. Chunnaic mi féin daoine tuigseach, saor-inntinneach, a dh’ aidich nach robh e ’n an an comas ath leasachadh teaghlaich a ghiùlan a mach, do bhrìgh “nach leigeadh am màthair leotha.” Tha aig màithrichean de ’n ghnè so fuath nimheil do sholus agus do eòlas. Tha riaghladh thighean bhan gu h-iomlan air fhàgail ’n am mèinn, oir tha na mnàthan òga uile, cò aca ’tha iad pòsda, ’n am bantraichean no ’n an caileagan gun phòsadh, fo smàig aig na màithrichean so. Is iomadh aon de na seana bhantraichean, eadhon ann an teaghlach a th’ ann an cothrom maith, air am bheil ceal duaichnidh agus tuar sgreataidh. Tha an Sari geal, salach, an t-aon trusgan a th’ aca, air a thilgeil timchioll orra ann an dòigh cho mi-chùramach, gus am bheil an ceann lomairte, no an seann fhalt liath air fhàgail ris, agus mar so dealachadh mòr air a nochdadh eadar iad féin agus na h-òg-mhnathan bòidheach, air an éideadh gu lurach, le an seudan, agus le am falt dubh dualach, agus le maise chiùin mhealltach anns gach ceum d’ an gluasad. Gidheadh, b’ iad na gnùisean a bu dubhaiche a chunnaic mi ann an India, gnùisean cuid de na mnathan òga so, agus shaoileadh tu gu ’n robh iad ’n an rìomhadh agus ’n an seudan a’ sealtainn na bu ro mhuladaiche. Tha ’ghoimh ro gheur a th’ annn an cridhe nam bantraichean òga so, a’ briseadh a mach air uairean, ach so cha ’n fhaic a’ mhuinntir nach ’eil a’ tathaich tric orra. Cha ’n ’eil càradh nam bantrach aig am bheil mic cho truagh. Ach tha aon bhròn, a rèir coslais, nach gabh leigheas—bròn màthar a chaill a h-aon mhac. (Ri leantuinn.) MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 328] [Vol. 4. No. 41. p. 8] TUIREADH SEANN FHLEASGACH. SEISD. Tionndaidh nis is eisd, Tionndaidh, tionndaidh, ’s gabh gu feum, ’S na dean-sa mar a rinn mi fein, Thoir te a measg na’n caileagan. ’S tha mlse ’n so an diugh leam fhein, Gun agam ni a ni dhomh feum; Gun mhart, gun each, gun bheathach spreidh, Gun chesrc, gun gheadh, gun tunnagan. ’Sa ’nauir a bha mi a m ghill’ og, Bha caoraich agam ’s crodh gu leor; Co theireadh rium an sin ri’m bheo, Gu’m faicinn la cho uireasach. Mo mhallachd air an fhear gu brath Nach tagh a bhean ’nuair bhios e traight’, Gun fheithidh gus on tig an lan No bithidh e baithte le cunnartan. ’S beag a shaoil mi ’n laithean m’oig, Gu’m bithinn-se gun neart gun treoir: Gun bhean, gun mhac, gun neach am choir A bheireadh dhomhsa comh-fhurtachd. ’Sa bhothan bhochd ’an so leam fhein, Am dhragh do chach, ’s mi fein gun fheum; Gach la a dol ni’s dluithe do’n eug, ’S gun neach n’am dheigh le ’n dhuilich mi. Is ’Illean caoinichibh am feur, Am feadh ’s a bhitheas a ghrian a’ dears’, Oir thig an aois an uine ghearr, ’S b’fhearr leibh gun robh bean agaibh. Cha’n ioghna’ ciod a dheireadh dhomhs’, ’S an car a thoirt a te le m’ dheoin; Oir dh’fhag mi nighean steidheil choir, An toir air storas amaideach. Chaill mi ’n storas, chaill mi ’n treud, Cha d’fhuair mi ’n te bha mi an deigh; ’S an te a gheibhinn, ’s thug dhomh speis, Tug mi le eucoir car aiste. Tha ise ’n diugh co math ’sa miann, Tha aice fear is iomadh ceud; Tha mise ’n so ’nam bhodach liath, Thug iomadh bliadhna fo airsneal. Is dh’innis mis e nis mar bha, ’So gabhaibh rabhadh uamsa tra; ’S ma ’s toigh leat te, thoir dhi do lamh, Is gu brath na bi na d’ Bhaitchelear. J. C. RO’ NA CHOMHRAIG. (BHO ’NA BAEURLA.) AIR FONN:—“Just before the battle, mother.” A mhathair ghaoil ro àm na còmhraig, Tha mo smuaintean ort-sa ’mhàin; Air an fhaiche ré an latha As ar n’ eascaraid aig laimh. Companaich dhaimheil tha mu’n cuairt dhomh, Le gradh Dhé a’s fàrdaich làn, ’S fhios aca gur h-ioma’ gaisgeach ’Bhios an ath-lath’ ’n glaic a Bhais! LUINNEAG. Soraidh leat a nis a mhathair, Siubh’laidh mi gu blar nam beum; Ach na di-chuimhnich gu brath mi Ma bhios m’ aireamh aig an ’Eug! ’S fada leam gach latha ’mhathair, Gus gu faic mi ghraidh thu-fhéin; Ach gu bràth cha ’n fhàg mi bhratach, ’S pilleadh dhachaidh dh’ easbhuidheuchd. An luchd-brath a ta mu ’n cuairt duibh, S’ mòr an lochd iad ann ar càs— Mheall ar gaisgeich anns gach baiteal, Le ’bhi caidreamhach ri ’r nàmh! Soraidh leat a nis a mhathair, &c. Eisd! is cluinn an triumbaid cheolmhor Tha g’ ar seòladh dh’ ionnsaidh ’chath; Teasraig sinne ’Dhé na glòrach, Buanaich dhuinn ar còr a’s ceart. Cluinn a nise guth na Saorsa Air a ghaoth a tigh’nn le seisd; Mar a buanaich sinn ma ’r brataich, Gheibh sinn bàs gach neach ’san t-sreup! Soraidh leat a nis a mhathair, &c. FILIDH NAM BEANN. LAOIDH. Mo Dhia is m’ Athair, ré mo chuairt ’S an fhàsach, fad’ o m’ dhachaidh shuas, O cuir am chrìdh’ a ràdh gach uair, “Do thoil biodh déant.” Ged leanadh duibhre ’s bròn mo chéum, Na cluinnteadh gearan as mo bhéul; Ach abram mar thuirt Iosa fhéin, “Do thoil biodh dèant’.” Ma’s àill leat, ann an riaghladh caomh, Gach ni ’thoirt uam do ’n d’ thug mi gaol, Bheir mise dhuit gach nì le m’ aont’; “Do thoil biodh déant’,” Ged bhithinn ann am bròn ro ghéur, A’ caoidh nan càirdean caomh’ a thréig, Le ùmhlachd theirinn riut gach ré, “Do thoil biodh déant’.” Ged sheargainn beag air bheag gach là, Le trioblaid is le iomadh cràdh, O Athair, dh’ fhéuchainn ri bhith ’g ràdh, “Do thoil biodh déant’.” Ma bhios do Spiorad saor a’ tàmh Am chridhe lapach, fann, do ghnàth, Mu ’n chòrr dèan thusa mar is àill— “Do thoil biodh déant’.” Dean nuadh mo thoil o là gu là; Dean strìochdte mi, ’s glan uam gun dàil Gach ni a chumadh mi o ràdh, “Do thoil biodh déant’.” An uair a chriochnaichear mo chuairt, ’S a sguireas bròn is trioblaid chruaidh, ’N sin seinnidh mi ’s an tìr bhith-bhuain, “Do thoil biodh déant’.” ’S anabarrach fuar an dùthaich Siberia. An deigh teas an t-samhraidh tha ’n reothadh anns an talamh leth-cheud òirleach ’sa sia a dhoimhnead. Tha cuirp dhaoine a tha anns an ùir o chionn ceud gu leth bliadhna gu tric air an togail ’s gun an t-atharrachadh is lugha air tigh’n orra o’n latha chuireadh ann iad. Ruig D. J. Domhnullach air son Comhdach Fhirionnach. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 329] [Vol. 4. No. 42. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 25, 1896. No. 42. An t-Urr. Tormaid Mac Leoid, Ministeir St. Ann’s. Bha ainm an duin ainmeil so air a thogail gu diomhain ann am paipearan Cheap Breatunn bho chionn bliadhna no dha. Bha fear fo ’n ainm “Compiler” a’ bha deanamh co-chruinneachadh de sgriobhaidhean nan ceud mhinisteirean a thainig do’n eilean, a toirt aithris air gach cruadal a bha tachairt riutha an cois an obair. ’S ann an sin a chaidh lamh a thoirt air Tormaid; “gu robh e ’na mheadhon air a bhi cumail air ais sgaoileadh an t-soisgeil, agus cuide ri sin ’na mhealltair, le bhi ’gabhail air dreuchd ministeir ’nuair nach robh còir sam bith aig air.” Tha mise nise comasach air innse nach robh Tormaid mar sin idir, ach gu’n deachaidh gach sochair eaglais a bha dhith air a thoirt dha ann an Genesee, aite tha ’n taobh an iar stàit New York. Chaidh so fhaotainn a mach bho chionn beagan mhiosan leis an Onarach Uilleam Ros, ann am baile mor Halifacs, agus càirdean dha ann an stàit New York. Shir iad gu dichiollach ann an iomadh àite gus an d’ fhuair iad a mach an t-àite dh’ ainmich mi. Bha an t-ainm “Tormaid Mac Leoid” air an rolla-sgriobhaidh ann an ceud shuidheachadh. Cléir Genesee. Còmhla ris bha ainm an Urr. Alasdair Dunoon. ’S fada bho chuala sinn gu’m b’e so am fear a chuir urram eaglais air. ’Nuair bha ’n da ainm air am faotainn cuideachd, tha e dearbhte gur h-e Tormaid a bh’ ann. ’S anns an dùthaich so a fhuaireadh a mach na bha ri fhaotainn mu thimchioll Thormaid, agus chaidh a chur gu Uilleam Ros. Bha fhios gu’n robh e sgriob anns na Stàitean na ceud bhliadhnaichean a bha e an St. Ann’s. Tha iomradh air e teisteannas a shealltuinn do chuid de ’chàirdean, agus is cinnteach an ni gu robh a luchd-leanmhuinn uile làn thoilichte leis. Cha robh e fo riaghladh eaglais sam bith, agus uime sin cha robh feum air teisteannas iarraidh air; bha ’n sluagh aige a creidsinn gur e bh’ann duine air an robh eagal Dé, agus nach abradh gu robh e ni sam bith nach robh e. Sgriobh e litir gu Domhnullach na Tòiseachd anns ’a bhliadhna 1843. Bha an litir so ag innse cuid de dhol a mach an deigh dha tighinn do Cheap Breatunn, gu’n d’ thug e tri tursan do na Stàitean far an d’ fhuair e a dhreuchd. ’S ann leis an litir so a fhuaireadh a mach mu dheobhainn. Cha’n ann buileach fo theagasg a thogadh Mr. Ros, ach bha meas mor aig air, agus nuair a tbainig litrichean “Chompiler” a mach chuir e roimhe gu’n deanadh e ’uile dhichioll air a chùis a rannsachadh a mach gu ’cùl. Bha an ni so a’ leantuinn ri Tormoid fada agus a’ cur mi-chliù air, ach ’nuair a thainig gach ni am fallais, thainig e mach air an taobh cheart. Tha sinn uile fada ’n comain Mhr. Rois air son na rinn e ’san aobhar so, agus mar an ceudna do na h-uaislean a rinn cuideachadh leis, Mr. Donnacha Buchanan, am Brooklyn, N. Y., agus an t-Urr. J. Wilford Jacks, am baile Romulus, an Stàit New York. Tha beachd agam air mar a thòisich an seanchas so mu Thormaid, ’se sin nach bu mhinisteir e. Bha cléir de Eaglais na h-Alba anns an eilean aig an àm ’san robh esan air ceann co-thonal St. Ann’s. Bha fhios gu’n do chuir e cùl ris an Eaglais sin ùine fhada roimhe sin, agus bha chléir air son fhaotainn a mach uaithe ciod an seasamha bh’aig anns an Eaglais. Air do’n chléir bhi cruinn am Broad Cove sa bhliadhna 1840, chuir iad litir d’a ionnsuidh, ag àithne dha tigh’n ’nan làthair, agus e shealltuinn dhaibh an dearbhadh-sgriobhte a bh’aige air an dreuchd a bha e tagairt, an taobh a stigh de dha fhichead latha. Cha d’ thug Tormaid feairt sam bith air an litir sin, agus ’nuair nach d’ thug, bha daoine an dùil nach robh freagradh aige dhaibh, agus nach robh teisteannas aige. Mar sin chaidh an sgeul mu’n cuairt, agus bha a chuid mhor de’n t-sluagh a toirt creideas dhi gus an d’ aithris “Compiler” i. Cha robh a chléir cho faiceallach ’s bu chòir dhaibh a bhi anns a’ ghnothuch, ach bha iad an dùil gu robh iad a’ deanamh an dleasanais. Cha’n ann a’ cur coire as an leth a tha mi idir. B’ aithne dhomh iad, agus air cuid dhiubh bha mi glé eòlach. Bha iad ’nan daoine taghte ais an robh eagal Dé, agus dichiollach ann an deanamh math. Tha iad uile fa chomhair Dia nam flathanais, a bheir breith orra a reir an deanadais agus a reir a thoil. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z,, an 18 la dhe’n Mhart, 1896. Guth a Framboise. Tha mi toilichte gu bheil an t-side a nis air fàs anabarrach fàbharrach do na tuathanaich, agus a reir coltais gu’m bi pailteas de bhiadh spréidhe aig gach aon aca. Tha ullachadh mor am measg nan iasgairean air an earrach so, gu h-araidh nam measg-san a bhios ris na giomaich. Tha Tigh Ghiomach eile air a chur suas am bliadhna le cuideachd ùr, agus ’se mo ghuidhe féin dhaibh gu’n soirbhich gu math leotha. Tha mor ionndrain anns an aite so air Calum MacLeoid, a chaochail toiseach a gheamhraidh. Bha e na dhuine onarach, cliùiteach, air an robh meas aig na h-uile chuir eolas air, agus gun teagamh faodaidh mi chantuinn nach d’ fhàg e moran eile anns an àite so a lionas àite mar sheanair anns an eaglais. Tha e gle iongantach leam fein nach do chuir fear de bhràithrean ’s an t-seisean iomradh air a bhàs gu paipear na h-eaglais. LAMH DHEARG. 16 dhe’n Mhart, 1896. Tha Sir Robert Ball ag radh nan rachadh fiach teas na gréine a mheas aig coig muillein punnd Sasunnach, gu’m b’ fhiach a chuid sin dhe teas a tha tuiteam air an t-saoghal so againne aon sgillinn. [TD 330] [Vol. 4. No. 42. p. 2] NA GALATAICH. LEIS AN URR. A. M. SINCLAIR. B’ i an duthaich ris an abair sinn an diugh an Fhraing priomh ionad comhnuidh nan Cealtach. As a sin sgaoil iad do gach cearn. Anns a bhliadhna 277 roimh theachd Chriosda bha Nicomedes righ Bhitinia a’ cogadh ri ’bhrathair, a bha ag iarraidh a bhi na righ e-fein. Chuir e fios air buidheann de Chealtaich a bha togail chreachan laimh ri Constantinople a dhol a null g’a chuideachadh. Dh’ fhalbh iad gu toilichte. Bha mu fhichead mile fear cogaidh ’nam measg. Bha iad fo dha cheannard, Leonar agus Lutar. Bha tri treubhan ann diu, na Trocmaich, na Tolistoboich, agus na Tectosagaich. Le ’n cuideachadh cheannsaich Nicomedes a bhrathair. Ach bha e moran na b’ fhasa fios a chur air na Cealtaich, na bha e an tilleadh dhachaidh, no an cumail fo smachd. Thoisich iad air siubhal bho aite gu aite ri creach is milleadh mar a bha iad a dol air aghaidh. Cha ’n e a mhain gu ’n dh’ fhas Nicomedes sgìth dhiu, ach thanig iad gu ’bhi ’nan aobhar eagail do gach sluagh an Asia Bhig. Mu dheireadh chuir iad rompa an duthaich gu leir a thoirt fo ’n smachd fhein. Thug Antiochus righ Shiria buaidh orra an aon bhlar; ach ann am blar a chuireadh ’sa bhliadhna 261, R. C., chuir iad an ruaig air ’armailt le ar mor, agus mharbh iad e-fhein. Cha mhor nach robh an toil fhein aca gus an do thachair Atalus, righ Phergamuis orra. Thug an righ so droch laimhseachadh dhaibh ann am blar ’sa bhliadhna 239, R. C. Chaill iad blar eile ’sa bhliadhua 216 R. C. ’S ann ri Prusias righ Bhitinia a bha iad a’ cogadh an uair so. Tha Polibius ag radh gu ’n do sgrios e a chuid mhor de ’n armailt a bha ’cogadh ris, agus gu ’n do mharbh e, cuideachd, na mnathan agus a chlann a bha maille ris an luchd-cogaidh. Ach ged a chaill na Galataich na tri blair a dh’ ainmichaedh thug iad buaidh ann am ficheadan de bhlair. Bha iad fhathast cho cumhachdach ’sa bha iad riamh. Dh’ fheum iomad baile mor agus rioghachd cain a phaigheadh dhaibh. Ach mu dheireadh tha chairiad ri luchd-cogaidh a bha cho misneachail riubha fhein, agus moran na b’ ionnsaichte. Chaidh armailt laidir Roimheach a staigh do ’n duthaich aca. An deigh da bhlar fhuilteach dh’ fheum iad geilleadh. Thug an ceannard Roimheach, d’ am b’ ainm Manlius, bhuapa moran de ’n cuid beartais. Thug e orra, cuideachd, a ghealltainn gu ’n sguireadh iad de shiubhal ’s de chreachadh ’feadh nan duthchannan mu’n cuairt dhaibh. Tha Strabo na leabhar cruinn-eolais a toirt an iomraidh a leanas air na Galataich: “Tha tri treubhan de na Galataich an Asia. Tha iad a labhairt na h-aon chainnte, agus cha ’n ’eil iad air dhoigh air bith dealaichte bho cheile. Tha ard fhear-riaghlaidh os cionn gach treibh. Tha comhairle mhor aca anns a bheil na tri treubhan a cruinneachadh. Tha gach treubh a cur ceud fear-ionaid a dh’ ionasaidh na comhairle so. Tha na Trocmaich a’ fuireach faisg air Pontus agus Capadokia. Tha na Tectosagaich ’an coimhearsnachd Phrigia. Tha na Tolistoboich lamh ris na Bitinianaìch. Tha sia bailtean daingnichte aca. Anns a bhaile a’s momha dhiu so tha teampul aca do mhathair nan De.” Cha do ghabh ’na Roimhich gnothach ris na Trocmaich. Bha iad taobh thall ’na h-aibhne Halus, agus mar sin fada bhuapa. An deidh a mhillidh a rinn na Ronnhich orra thanig na Tolistoboich, agus na Tectosagaich gu ’bhi fo aon ard fhear-riaghlaidh. Anns a chogadh mu dheireadh a bha eadar na Roimhich agus Mithridates, righ Phontuis, rinn Deiotar, ard fhear-riaghlaidh nan Tolistoboieach agus nan Tectosagaich cuideachadh mor ri Lucullus agus Pompei, na ceannardan Roimheach. Bha e ’na dhuine tuigseach, comasach, agus measail. ’N uair a bha crioch air a chogadh rinn na Roimhich righ dheth os cionn a dhuthcha fein agus Armenia Bhig. Thachair so mu ’n bhliadhna 62 R. C. Chuir Deiotar fear-riaghlaidh nam Trocmach a cumhachd agus thug e a chuid a bha fotha de Ghalatia gu bhi fo a riaghladh fein. Bha na Galataich uile an nis fo ’n aon fhear-riaghlaidh. Cha robh iad mar so riamh roimhe. Anns a chogadh a bha eadar Caesar agus Pompei sheas Deitar gu duineil air taobh Phompei. Cha b’ iongantach ged a sheas, oir is e Pompei a rinn righ dheth. Nuair a cheannsaich Caesar Pompei, thug e Armenia Bheag bho Dheiotar, ach dh’ fhag e Galatia aige. An deidh bas Chaesair fhuair Deiotar air ais an duthaich a thugadh bhuaithe. Chaochail e sa bhiadhna 40 R. C. Thanig a mhac Deiotar a staigh na ’aite, ach cha d’ fhag na Roimhich aig a mhac ach Galatia. Anns a bhliadhna 36 R. C. rinn Marc Antoni righ de dh-Amintas, agus thug e dha maille ri Galatia Licaonia agus Pamphilia. Chaidh an righ so a mharbhadh ann an cogadh sa bhliadhna 25 R. C. An deidh a bhais ghabh na Roimhich Galatia do ’n ionnsaidh fein agus rinn iad mor-roinn dheth. Chuir so crioch air riaghladh nan Galatach an Asia, ’S e Turcaich—seadh, na Turcaich, an-diadhaidh, an-trocaireach a tha cur as do na h-Armenianich—a tha nan aite an diugh. Ged a bha na Galataich air an cuartachadh ìeis a h-uile seorsa sluaigh chum iad an cainnt fein air chuimhne re corr is sia ceud bliadhna. A bharrachd air a sin chum iad moran de ’n seann chleachdainnean a suas. Tha Ierome, an cainntear a b’ ionnsaichte de na h-Aithrichean Laidinneach, ag innse dhuinn gu ’n robh iad a labhairt an cainnt dhuth chasaich ri ’latha-san. ’S ann am bliadhna ar Tighearna 420 a chaochail an duine ainmeil so. Ghabh na Galataich ris an t-soisgeul gu toileach. Shearmonaich an t-abstol Pol ’nam measg. ’S ann g’ an ionnsaidh a sgriobh e an litir a tha ’dol fo ’n ainm Litir an abstoil Phoil a chum nan Galatianach. Bho’n a b’ iad na Roimhich, na Greugaich, na h-Eabhraich, agus na Cealtaich sluagan cho ainmeil ’sa bha ann ri ’n latha bha e iomchaidh gu ’m biodh litrichean bho na h-abstoil air an cur g’ an ionnsaidh uile. Thigeadh do Ghaidheil an latha an diugh litir an abstoil a chum nan Galtach a leughadh gu curamach, agus an aire a thabhairt nach bi iad-fhein ciontach de na h-uilc bha r’ an cur as an leth-san. Bha moran de nithibh matha annta, ach gun teagamh sam bith bha cnid de nithibh annta a b’ fheaird iad asda. Faodaidh mi innse dhuit, a MHIC-TALLA, gu’n do sgriobh mi an t-iomradh goirid so air na Galataich nuair a ba mi a cur am mach Cuil na Gaidhlig am Paipeir Phicto. Chi thu gu bheil oir nan duilleagan car prabach. Sin sgadsa obair nan luch. Bha na duilleagan nan laighe re uine mhoir ann an cuil. Fhuair na luchan greim orra, agus co-dhiu bha naimhdeas aco do na Galataich no nach robh, thoisich iad air cagnadh ’s air milleadh nan duilleagan. Cha b’ ionghnadh ged a rinn Fear Strath-Mhathasaidh, agus bard no dha eile aoir do na biastan. [TD 331] [Vol. 4. No. 42. p. 3] Aireamh Luchd bruidhinn na Gaidhlig ’an Albainn ’sna bliadhnachan 1881 agus 1891. SIORRACHDAN. 1881 1891 Abaireadhain 607 1,542 Abaruig, 30 89 Air. 649 1,827 Arcaimh, 36 88 Banbh, 331 639 Bòid, 3,725 3,482 Cataobh, 17,600 14,786 Cill-chuthbairt, 11 69 Cinnchardainn, 15 116 Cinnrois, 10 56 Clacmannan, 95 215 Dumbreatunn, 1,397 3,556 Duneideann, 2,142 6,308 Dumfris, 17 201 Earraghaidheal, 46,503 36,720 Eilginn, 1,059 2,263 Fiofa. 123 726 Forfar, 590 1,462 Gallaobh, 3,422 4,068 Gleanniuich, 47 486 Haddington, 294 515 Inbhirnis, 64,041 44,084 Leanndraic, 10,513 22,887 Narunn, 1,980 2,487 Peairt, 14,505 13,846 Peebles, 3 170 Renfriù, 5,190 8,435 Ros & Cromba, 56,086 37,437 Rocsborgh, 25 77 Seatlainn, 12 67 Selcirc, 11 73 Sruibhliadh, 497 1,842 Wigtown. 28 68 Eilean Rathlin. 200 200 Feumar air a chuid is lugha 15% a cur ri so a dheanamh suas airson iadsan 34,755 38,280 nach aidich gu bheil ---------- Gaidhlig aca. 249,127 Air aireamh nach bruidhinn ach Gailiag a mhàin, 43,738 An t-imlan a bha bruidhinn na Gaidhlig ’a Albainn. 266,549 292,865 Chuireadh na h-àireamhan so ugainn le ar deagh charaid, “Creag-an-Fhithich.” Cha’n eil so a toirt iomradh air na tha bruidhinn na Gàilig ann an Sasuinn, aim an Canada, ann an Astralia, am an New Zealand, agus ann an cearnan eile dhe’n t-saoghal. Tha e deanamh a mach gu bheil mu cheithir cheud mile pearsa aig a bheil Gàilig ann an Canada, agus gu bheil eadar muillein gu leth us da mhuillein ’ga labhairt anns an t-saoghal air fad. Bheir ar leughadairean fa-near gun deachaidh aireamh luchd na Gàilig an Alba còrr us sia mile fichead am meud anns na deich bliadhna, agus cha’n eil teagamh nach d’ fhàs iad air an dòigh cheudna ann an dùthchannan eile. Fhad ’sa leanas iad mar sìn cha ’n eagal gu’n teid a’ Ghàilig bàs. Sgeul mu Fhaine. Bha an sgeul iongantach a leanas air a h-innse an toiseach o chionn còrr us ceithir fichead bliadhna. Creididh cuid i, agus cha chreid cuid eile i idir, agus cha ’n urrainn dhuinne a radh m’a timchìoll ach, “ma’s breug uainn i gur breug ugainn i.” Chuir duin-uasal ann an Sasuinn a sheirbheiseach gu bùth seudair le fáine luachmhor a bha aig. Bha aige an t-seirbheiseach ri dhol thairis air drochaid phlancaichean, agus am feadh ’sa bha e ’deanamh sin thug e ’m fàine as a phòcaid a shealltuinn air, ach gu mi-fhortanach thuit e as a làimh agus chaidh e fodha anns a’ pholl aig bruaich na h-aimhne. Chladhaich e air a shon treis a dh’ ùine, agus ’nuair nach d’ fhuair e e, ghabh e an t-eagal gu’n cuireadh a mhaighstir cruaidh ris, agus ’se rinn e teicheadh. Ghabh e air luing mar sheòladair, agus an deigh dha bhi treis a falbh na mara, shuidhich e ann an America, far an d’rinn e beairteas mor. An ceann àireamh mhor bhliadhnaichean thill e air ais a Shasuinn agus cheannaich e a cheart oighreachd air ’n do chuir e seachad làithean ’òìge ’na sheirbheiseach. Aon latha bha e fhéin us duin’ eile a’ dol thairis air an drochaid phlancaichean, agus dh’ innis e dha charaid mu chall an fhaine. “Cha mhor nach toirinn mo mhionnan,” ars esan, ’s e stobadh a bhata anns a’ pholl, “gur h-e so an dearbh àite ’s an do thuit e.” ’Nuair a thug e am bata air ais bha am fàine air a bhàrr! Rothaidheachd. So foclan ura Gaidhlig airson gach rud a bhuineas do Rothar. Tha e coltach gu’n dean iad moran fheum do ar leughadairean an drasd nuair a tha na rothaidhean cho lionmhor anns gach àite. Rothar, bicycle, cycle. Rothaidhe, cycilist. Rothaidheachd, cycling. Rothar tri-rothan, tricycle. Cluas, handle. Slat, handle-bar, Muineal, handle-stem. Gabhal, fork. Roth, wheel. Beann, prong of fork. Fearsad, axle. Mul, hub. Ga, spoke. Ga lair, direct spoke. Ga imill, tangent spoke. Fonnsa, rim. Bolg, air tube. Bonn, tyre. Bolg-bhonn, pneumatic tyre. Bonn cruaidh, solid tyre. Bonn bog, cushion tyre. Diallaid, saddle. Cos diallaide, saddle-pillar. Luasgan, spring. Troighthin, pedal. Guala, crank. Fiocail, cog of wheel. Slabhruidh, chain. Dion lathaighe, mud-guard. Gràn, ball, balls. Air ghràn, on ball bearings. Dealbh, cabhail, frame. Cnò, nut. Sgriù, sgriobha, screw. Tnachair, spanner. Deocan, valve. Caipin, cap. Teannaire, pump. Teannadh, to pump. Teann, pumped tight. Priocadh, puncture. Slaod, solution. Cosgaire, brake. ’Se an t-athair Padruig Mac Laghaire a chuir na foclan so le cheile, agus ’s ann as Irisleabhar na Gaidhilige, a fhuair sinn iad. Chaidh Domhnull Mor gu tigh an uachdarain a phàigheadh a mhàil. ’Nuair a bha e fàgail an taighe mhoir, thainig fras uisge, agus thug an t-uachdaran gu caoimhneil dha sgàilean (umbrella) air son an t-uisge chumail dheth. Dh’ fhalbh Domhnull ’sa cheann moran na b’ àirde na bha e a’ tighinn, oir bha e meas gu’n do chuir an t-uachdaran onair mhor air. Ach cha b’ fhada gus am facas a’ tilleadh e, agus an sgàilean as a chionn mar a bha e falbh. “So,” ars esan, ’se ’ga shineadh air ais dha’n uachdaran, “cha dean e an gnothuch idir. Cha’n eil dorus air an tigh agamsa air an gabh e toirt a stigh, agus b’ fheudar dhomh tilleadh leis.” [TD 332] [Vol. 4. No. 42. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, APRIL 25, 1896. Loisg ceannaircich Chuba moran de dh’ fhearainn sicuair o chionn ghoirid. B’ àbhaist do aon fhearann a loisg iad a bhi toirt ceud mile poca siùcair ’sa bhliadhna. Tha iad a’ cur as do na h-innealan ’s do gach ni eile a th’ air an uachdar. Tha iad mar sin a feuchainn ris na’s urrainn daibh de chall a chur air na Spàinnich feuch an urrainn daibh toirt orra toirt suas a dh’ aindeoin. Tha Ruisia an dràsda a feuchainn ri i fhéin a neartachadh anns an àirde ’n ear. B’ fhior thoigh leatha seilbh a ghabhail air Corea, ach mu’n dean i sin, tha aice ri barrachd ’sa comhairle fhéin a ghabhail. Tha àireamh de shoithichean-cogaidh Breatunnach m’a chladach Chorea mar gu’m biodh dùil aca ri rud-eigin a thachairt nach bi a reir cail an dùthcha féin anns an àirde sin. Tha ’n Ard-chomharile a chuir Kiaghladh nan Stàitean a dh’ fheuchainn ri cùisean a réiteach eadar Venezuela agus Breatuinn aig an obair fhathast, agus tha e fàs na’s coltaiche gach latha gu’n toir iad a bhreith an aghaidh Bhreatuinn. ’S e sin a’ cheart ni ris an robh dùil riamh o’n chaidh an cur c dh’ obair. Agus ma ’s ann mar sin a ni iad, bi’dh gnothnichean na’s miosa na bha iad riamh. Cha chuir Breatuinn suim sam bith ann am breith na Comhairle, agus ma ni na Stàitean na bha iad a’ cur an céill a’ dheanadh iad, bi’dh ’n aimhreit a tòiseachadh. Ach tha dòchas againn nach tig an da dhùthaich gu cogadh mu’n chùis air chor sam bith, ach gu faigh iad dòigh eigin air gach ni a réiteach gu sitheil. Caileag Dhileas Tha sgeula air innse mu nighinn bhig Fhrangach a shàbhail a brathair o mhadaidh-alluidh. ’S ann am fuachd a’ gheamhraidh a bha e, ann an cearn iomallach dhe’n Fhraing, agus bha na madaidh-alluidh mu’n cuairt fad na, h-uine. Aon latha bhrist madadh-alluidh agus a cuileanan a stigh do’n tigh anns an robh a chaileag, a’ faireachadh fàileadh arain a bha i aig an àm a deasachadh. Rinn a chaileag greim air maide agus bha i a’ fuadach a’ mhadaidh mhoir air falbh ’nuair a thug i fa-near na cuileanan a toirt an sàs ’na bràthair. Rug i an sin air a bhalach, chuir i stigh ann am preasa e agus ghlais i an dorus. Thug so cothrom dh’ an mhadadh oirre fein, agus ann an tiotadh bha i air a reubadh as a cheile. Bha a brathair tearuinte anns a phreas agus fhuaireadh e leis na nabuidhean. Bha e beo gus an d’ rainig e seann aois, agus bu mhor an tlachd a bh’ aige ann a bhi smaoineachadh mu phiuthair a bhasaich air sgàth esan a shabhaladh. APRIL, 1896. 1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige). 2 Dior-daoin 3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda. 4 Di-sathairne. An Crt l mu dheir. 8.10 feasg. 5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge. 6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865. 7 Di-mairt. Fhuaireadh Canada, 1499. 8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann, 1818. 9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747. 10 Di-haoine 11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi, 1689. 12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg. 13 Di-luain. An Solus Ur. 0.9. maduinn. 14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835 15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich. 16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746. 17 Di-haoine. An Fheill Donnain. 18 Di-sathairne. An Fheill Mholis. 19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge. 20 Di-luain. A cheud chairteal, 6.33, fessg. 21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653 22 Di-ciaduin. Breth Sheu’s Ghreumaich 1765 23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661 24 Di-haoine 25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057. 26 DI-DONAICH. III. Di-donaich ’deigh Càisge. 27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad. 28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair, Righ Alba, 1124. 29 Di-ciaduin 30 Di-daoin. Blar Fontenoi, 1745. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 333] [Vol. 4. No. 42. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thig latha breith na ban-righ am bliadhna air la na Sàbaid. Cha’n eil teagamh nach cumar Di-luain ’na àite, anns an dùthaich so co-dhiu. Bha a Phàrlamaid air a sgaoileadh oidhche Dior-daoin. Tha ’n taghadh gu bhi ann air an treas latha fichead dhe’n Og-mhios (June) agus cruinnichidh a’ Pharlamaid ur mu mheadhon Iulaidh. Tha mar sin ùine gu leòr gu bhi aig an da phàirtidh gus am beachdan a chur an céill do’n luchd-taghaidh. Phòs càraid aosda ann a’ Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. Bha esan tri fichead ’sa dha dheug, agus ise tri fichead ’sa ceithir. Bha iad nam bantraichean le chéile. Bha iad ’nan leannain ’nuair a bha iad òg, ach thainig rud-eigin eatorra agus chaidh gach aon a rathad fhéin, agus a nise ’nuair a tha iad air tigh’n cuideachd, tha na h-oghaichean aca le chéile. Chaochail fear Alasdair Mac Coinnich aig Granville Ferry, N. S., Di-satharna s’a chaidh, an deigh aois ceithir fichead us naodh bliadhn’ deug, agus aona mios deug a ruigheachd. ’N am biodh e beò mios eile, bhiodh e ceud bliadhna. Dh’ fhalbh an deigh mhor as an acarsaid toiseach na seachdain, ach tha meall mor dhi fhathast faisg air na cladaichean. Thòisich na bàtaichean-aisig air ruith mu mheadhon na seachdain. An raoir thainig i stigh a rithist, agus tha na bàtaichean ’nan támh an diugh. Tha sgiobair soithich a thainig thar a chuain air an t-seachdain s’a chaidh, ag innse gu ’n do thachair meall mor de chruachan deighe riutha an ear-thuath air Newfoundland. Bha cuid de na cruachan eadar ceud gu leth us da cheud troigh a dh’ àirde os cionn an uisge, agus tha e ’g radh gu bheil e gle chunnartach a bhi seòladh faisg orra. Bha ceithir duine fichead fo ghlais ’s fo iuchair ann am priosan Halifax oidhche na Sabaid s’a chaidh, air son a bhi air an daoraich air na sraidean. Chaidh ochd deug dhiubh sin a chur a stigh oidhche Shathurna; agus sianar latha na Sàbaid. Chaidh sàbhaladh gle chaol air Bain-Iarla Obaraidhean, bean an Ard-Riaghladair, Di-ciaduin s’a chaidh. Bha i a mach ann an carbad, agus air dhi a bhi tilleadh dhachaidh air rathad ri taobh na h-aimhne Gatineau, thainig iad gu àite anns an robh uisge na h-aimhne a tigh’n thairis air an rathad. Bha slochd domhain aig a cheart àite sin; thug fear de na h-eich leum-taoibh as, agus chaidh an carbad thairis, ’s thuit a Bhan-Iarla ’sa bana-chompanaich dh’ an uisge. Gu fortanach fhuaireadh an toirt as gun dochann sam bith a dheanamh orra, ach chaidh na h-eich a bhàthadh. Bu phaidhir eireachdail iad de dh’ eich dhonna a thug an t-Iarla dhi o chionn bliadhna no dha mar ghibht. D. J. DOMHNULLACH, Tha D. J. Domhnullach. Wentworth House an drasta a creic Aodaichean Deante, agus tha gach seorsa dheiseachan ri ’m faicinn aige, Brogan Fhirionnach agus Bhoirionnach, Adan ages Curraicean, agus tha e gan reic saor. Seall fhein ’nuair a gheobh thu da Leine air 35c, Deise de ‘sherge’ gorm air $3.25, Deise bhriagha ‘tweed’ air $5.00, agus mar sin suas gu $12.75. ’Si an aon stor a’s fhearr ’sa bhaile air son aodach a cheannach ann. Tha ’m buntata a reic ann an New York air dolair us cairteal am barailte, agus tha moran dhe nach gabh reic idir ’s thatar ’ga dhortadh dh’ an acarsaid. Tha aon áite ann an New Brunswick, Nashwak, agus tha coig mile barailte aig na tuathanaich anns na seilearan nach fhaigh iad a reic air pris sam bith. Tha Frangach beairteach de’n ainm Menri an deigh eilean Anticosti a cheannach, agus tha e dol a chur leth-cheud de luchd-àitich air. Tha còrr us da cheud bliadhna bho’n fhuaireadh a mach an t-eilean so, agus cha robhas an dùil gu robh e freagarrach air son àiteach gus a so. Tha feadhainn nach eil a’ creidsinn gu’m bi soribheachadh sam bith leotha-san a tha dol ann an dràsda, ach tha Menri a cur roimhe deuchainn a chur air. Tha Anticosti na eilean mor, agus ma ’s e ’s gu bheil fearann math agus side bhriagha ann, cha’n eil teagamh nach eil e comasach air àireamh mhath slluaigh a bheathachadh. Tha tuathanaich Mhanitoba ullamh gu tòiseachadh air a churachd, Tha dùil aca cheart uiread fearainn a chur ’sa chuir iad an uiridh, agus bha barrachd fearainn fo bhàrr an uiridh ’sa bh’ ann bliadhna riamh roimhe. Tha sinn duilich a chluinntinn mu bhás Iain ’Ic Calamain, an Grand River. Chaochail e Di-luain an deigh a bhi tinn a mhàin aon latha. Bha e na dhuine air an robh deagh chliù, agus a bha measail aig na h-uile. Bha e ’na fhear-comhairle d’a sgireachd ann an comhairle siorrachd Richmond riamh o’n chaidh a suidheachadh. BREITH. Ann on Sidni, April an 20, bean Sheumais Howard, mac. POSADH. Aig Beinn a Mharbail, an 16 mh la dhe’n Mhart, leis an Urr. A. Mac-Ille-mhaoil, Lachuinn I. Mac Fhionghain, Malagawatch, us Eiric Nic Aonghais. BAIS. Aig Sidni Forks, air 30mh latha dhe’n Mhàrt, Ceit Nic Culloch, 35 bliadhna dh’ aois. Ann am Brook Village, air an 13 la de dh’ April, Raonull Mac-a-Mhaighstir (Gobha) 63 bliadhna dh’ aois. Tha paipear-naigheachd a thainig ugainn an la roimhe ag radh gu bheil a mach ’sa stigh mu fhiach ochd ceud mile punnd Sassunach de òr air fhalach ann am fiaclan sluagh nan eileanan Breatunnach. Tha am paipear ceudna ag radh gu bheil dotair fhiacal a tha deanamh beòlaind chuimseach air a cheaird, gach bliadhna a cur fiach ceud punnd de dh’ òr ann am fiaclan a tha ’m feum an càradh. Ruig D. J. Domhnullach air son Comhdach Fhirionnach. [TD 334] [Vol. 4. No. 42. p. 6] TAIGHEAN BHAN ANN AN INDIA. (Le Miss Rainy.) (Air a leantuinn.) Is minic a bha mo chridhe goirt, agus mi ’g amharc air creutair òg, séamh, a ghabh rium leis gach uile mhodhalachd, le a seudan air fad uirre, a chum onair a chur ormsa, ach le gnùis anns an robh aoibhneas marbh—coslas péin fholaichte, mar gu’m bitheadh i a’ giùlan lot anns nach robh comh-roinn aig neach ’s am bith; eugas màlda, sàraichte, cosmhuil ri aon nach cathachadh an aghaidh an ni ’bha ’n Dàn di, ach nach deanadh gàire gu bràth tuilidh. Bhlais i an t-aon aoibhneas a bhuineas do bhoirionnaich Hindùach. Nam bu mhaireann a balachan, bu leatha féin air fad e—àilleagan a cridhe, a crùn uaille. Gheibheadh e a gaol air fad, agus nan robh e ’lathair gheibheadh ise a ghaol-san, air son a gaoil-se. Oir tha ’n ceangal eadar màthair agus mac ro dhlùth agus tairis; agus ged a dh’ fhàsas e suas, agus a ghluaiseas e do cheann nam fear de ’n tigh, agus a dh’ fhiosraicheas e ’mach, uidh air ’n uidh, gu ’m buin a mhathair do bhuidheann neo-inbheach de ’n t-sluagh, gidheadh a dh’ aindeoin so uile, tha e fo smachd di. Pòsaidh e, ach tha a bhean air cùram a mhàthar, agus bheir a mhàthair an aire gu ’n cum i a bhean-og anns an àite a ’s ìsle. Cosnaidh mac fàbhar a fir da mhnaoi, tha mac ’n a chomharra air deadh-ghean nan diathan—agus feudaidh eadhon bantrach a ceann a thogail an àird anns an t-saoghal am feadh agus a bhitheas a mac beò. Ach och, dè cho eu-dòchasach is a tha ’m bròn mar a bheirear a mac uaipe! Tha so a’ filleadh ann aonaranachd agus masladh, maille ri faitcheas no uamhann oillteil; oir feudaidh a fear a cur air chùl, mur am bheil mac aice, agus tha e ’sealltainn mar gu ’m bitheadh so uile an Dan di, mar a thugadh a mac aìr falbh. Agus c’ àit’ am bheil am maothran beag a lìon a cridhe le tlachd is le moit? A réir a creud sgreamhail, feudaidh e ’bhi ’tòiseachadh beatha nuaidh le màthair eile, cha ’n ’eil fhios aice c’ àite; theagamh ann an cruth gairisneach air chor-eigin, ach tha i féin agus esan air an dealachadh o chéile gu siorruidh. Dhise cha ’n ’eil taisbeanadh milis de ’n Bhuachaille Mhaith a tha le a ghairdean a’ cuartachadh nan uan; cha ’n ’eil dearbhachd shòlasach aice gu ’m bheil a h-ionmhas air a thasgadh air nèamh; cha ’n ’eil eòlas aice air an dòchas bheannaichte aig am bheil sùil ri ath-aonadh an taobh thall de ’n uaigh: cha ’n aithne di Fear-saoraidh Uile-làthaireach gu cabhair a dheanamh uirre ’n a h-uile thrioblaid. Ach tha thu ’feòraich, nach ’eil a’ bhan-teachdaire a tha ’thathaich uirre ann an tigh nam Ban ag innseadh di mu na nithean so uile? Tha, agus ged nach deanadh i dad tuilidh ach comhfhurtachd a thoirt dhoibhsan a tha ri bròn, dh’ fheudadh farmad a bhi aig aingean rithe. Ach tha ’leithid a ni ann agus cion creidsinn, trid chraidh spioraid agus trid chruaidh dhaorsa; agus cha ’n ann mar a chluinneas i an toiseach e, a ghabhas màthair a chaill a gineal ris a’ chomhfhurtachd a thairgear di. Ged a dh’ fhàgas a réir an deas-ghnàthan féin, buntainn ruinne neò-ghlan iad, agus a dh’ fheumas iad iad féin a nigheadh às déigh dhuinne am fàgail, gidheadh tha e miorbhuileach cho furanach, cridheil, agus a bheireas iad air làimh ort. Mar a bheachdaichear air gach ana-cothrom a th’ aca is ann a tha iad anabharrach ionmhuinn. Ghabh aon diubh a leith-sgeul riumsa ag ràdh, “Tha sinn ag ionnsachadh beagan a leughadh, ach cha ’n urrainn duinn fàs ro fhìnealta anns na seòmraichean so.” Bha suidheachadh agus sparraich no fùirneis an t-seòmair gun mhòran snas, ach cha b’ urrainn mi gu ’n a bhi ’moladh cho gnèidheil, ùiseil agus a bha bean an tighe, agus cho fada air dheireadh is a tha sinne anns an uaisleachd nàdurra so. Tha daonnan tiodhlac beag air chor-eigin deas aca air do shon. Tha gun teagamh cuid de bhoirionnaich nach tig a’ d’ chòir. Chunnaic mi uair no dhà leabhair, no dad air bith a bha thu a’ toirt doibh air a chur air an ùrlar, oir cha ’n fheudadh iad a ghabhail dìreach ás do làimh. Chaidh mi aon uair le ban-léigh a dh’ fhaicinn aoin d’ a ban-eiridinnich uaigneach, bha i air a h-éideadh ann an sari sìoda fìnealta, ach ruith i air falbh gu a chur dhi, agus gu aon cottoin a chur uirre, oir nam beanadh a’ bhan-léigh d’ a sari sìoda dh’fheumadh i a thilgeil ’s a’ chùdainn no ’s an tuban (’s a’ bhallan) nigheadaireachd. Cha mhòr, anns a’ h-uile tigh bhan anns an do thathaich mi, nach cuala mi leasan air a ràdh, no sgeul air innseadh ás a’ Bhìobull no laoidh air a seinn. Dh’ fheòraicheadh tric dhiom mu ’n Bhan-righ. An d’ thàinig i uair air bith do ’n bhaile agamsa? Cò ris a bha i cosmhuil? Chuir bliadhna na h-Iubile gun teagamh, cuid de na ceistean so ’n an ceann; agus bha e soilleir gu ’n robh mòr mheas aca air a Bhanrigh. Bha gu tric ceistean air am foighneachd de ’n mhnaoi-uasail a bhitheadh leam mu m’ eachraidh phearsanta féin; agus bh’ agam gu minic ri seasamh air mo shon féin, agus a dhearbhadh gu ’m bi mo chòir, nan toilichinn féin, cuairt a ghabhail feadh an t-saoghail ged nach robh mi pòsda. Bha iomadh còmhradh taitneach agam ri mnathan purdah mar nach robh a làthair ach aon no dhà dhiubh. Tha cuimhne shònruichte agam air aon bhantrach, boirionnach beairteach, ach air duinn dol a steach d’ a tigh b’ éigin duinn staidheir chorrach a dhìreadh, agus dol troimh sheòmar mòr, falamh, gus fa dheòidh an do ràinig sinn clòsaid far an do shuidh a’ bhantrach agus a bana-mhaighstir-sgoil air an ùrlar, oir thugadh dhomhsa an aon chathair a bha ’stigh. Leughadh i an Tiomnadh Nuadh gu maith, agus bha i a réir coslais ’n a boirionnach cliùiteach, tuigseach. Thachair mi air bantrach eile, agus a réir mo bheachdsa, bha a càradh glè thruagh. Bha mac aice, agus bha i ’n a bana-mhaighstir ’n a tigh féin, oir cha robh a màthair-chéile beò; ach bha a mac a mach fad an latha, agus bha i mar so a’ faireachdainn na h-ùine glè fhadalach. Air domhsa ’chluinntinn gu ’n robh a pàrantan a chòmhnaidh ’s an aon bhaile rithe, dh’fheòraich mi an robh a màthair a’ tighinn a shealltainn uirre uair ’s am bith. “Tha, ach cha ’n fheud i fuireachd fada.” B’ e ’n t-aobhar gu ’m buineadh iad do chaste àraid agus ’se aon d’ an riaghailtean nach feud pàrantan mna pòsda, itheadh no ol na tigh! ’S fheudar gur h-e bannal de màithrichean-cèile a rinn an riaghailt so; ach, ge b’ e air bith mar tha sin, feumar géilleadh do’n reachd so, oir ma bhristear e, caillidh iad caste a’ h-uile aon diubh. [TD 335] [Vol. 4. No. 42. p. 7] Tha an Eaglais Shaor a’ saoìthreachadh gu sònruichte am measg nan Hindùach, buidheann a tha ’deanamh suas trì ás a’ h-uile ceithir de shluagh India; ach tha leth-cheud muillion Mohammedanach ann an India, agus tha am mnathan-san air an cumail air leth eadhon na ’s mò na na mnathan Hindùach. Tha ’chuid d’ am mnathan a théid cuairt a mach air an còmhdach na ’s cùramaiche na na boirionnaich Hindùach. Tha iad a’ cur orra faluinn ris an abair iad am boorka—a tha ’g an còmhdach o mhullach an cinn gu bonn an coise, le tuill ann air son nan sùl, ach gun mhuilichinnean idir air. Gidheadh, cha ’n ’eil creud ’s am bith, a tha ’dol na ’s fhaide na Mohammedanachd ann a bhi ’deanamh dìmeis air boirionnaich. Feudar so fhaicinn ’n an cion foghluim, ’n am pòsaidhean òga gun chead na muinntir òig a ghabhail, ann a bhi a’ pòsadh iomadh bean, anns cho soirbh ’s a tha e do ’n fhear an ceangal-pòsaidh a bhristeadh, agus anns an tàir agus anns an ainneart a tha na Mohammedanaich a’ deanamh air boirionnaich. A thaobh a’ chuid mhòr de na mnathan bochda, a dh’ fheumas a bhi ag obair, tha cothrom aca an anail a tharrainn anns an fhàileadh fhallan, agus cruthachadh maiseach Dhia fhaicinn; ach a dh’ aindeoin so uile tha an crannchur cruaidh. Is iad so luchd-giùlain nan eallach, a bhuineas do ’n ghnè chreutairean a ’s ìsle, aineolach, baoth-chràbhach, a’ caitheadh am beatha ann an eagal agus a’ bàsachadh gun dòchas. Fhuaireadh an cnap òir bu mho a chunacas riamh, ann an New South Wales ’sa bhliadhna 1872, air an deicheamh latha dhe’n Mhaigh. Thomhais e sia ceud ’s da fhichead punnd, agus chaidh a reic air seachd fichead mile dolair ($140,000). Fhuaireadh e le dithis mhéinneadairean a bha aig a cheart àm a’ tigh’n beò air biadh a fhuair iad air bhaigeireachd. Thatar a deanamh a mach gu bheil leabhraichean air an cur a mach ann am Breatuinn mar a leanas:—Leabhraichean searmoin, aon ’san latha; leabhraichean sgeòil, coig ’san latha; leabhraichean fòghluim, a dha ’san latha; leabhraichean eallaidh, a dha ’san t-seachdain; leabhraictean eachdraidh, sia ’san t-seachdain; agus leabhraichean lagha, aon gach darna seachdain, MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 336] [Vol. 4. No. 42. p. 8] MAIGHDEAN CHINN LOCH RUIAL. Air Dhomh bhi la air chuairt am mach Aig ceann an Loch’, co thachair rium Ach maighdean og, air tigh’nn do’n tir, ’Thug bliadhn’ de thim an Glasachu. Gu caoimhneil dh’ fharraid i mu m’ shlàint’, ’S thuirt i gu Gallda, leomach rium, A bheil mi nise fada o ’n Inn? Chaidh ’n t-àit so clean a eolas orm. Tha e de dh-astar bhuait, thuirt mi, Mu thri de mhìltean Sasunnach; Tha ’n rathad comhnard ’s math d’a reir, ’S cho reidh ri cabhsair Ghlasachu. Ma bi compareadh ris na streets An rathaid lubaich ghrànda sin; ’S e làn tracks chairtean agus holes, ’S cho lonesome ri Arabia. Nach grinn a choill is i fo bhlàth! Nach binn na h-Eoin tha ’n taice rith’! ’S nach maiseach neoinennan nam blàr Seach cabhsair clabrach Ghlasachu? Tha gum flowers anns a bhaile mhor Na ’s fearr na blàth ’san fhearann so; Cha wither iad ri frost na h-oidhch’, Is fine gu dearbh an sealladh iad. Mar thuirt an sean fhacal gu fior, Chan or gach ni ’tha buidhe-dhearg. Ge grinn na blàthan ’tha thu ’g radh Chan fhaigh thu faileadh luibhean dhiu. ’N sin chuir i car mu ’n cuairt gu clis. Is rinn i beic gu fasanta. Good-day, thuirt i, I cannot wait, I must away; tha cabhag orm. Rinneadh na rannan so le Iain Sinclair, a bha na mhaighstir sgoile an Gleanndaruail. ORAN Do’n Onarach Iain Domhnullach ris an abrar “Iain Sandfie d.” LE MAOILEAS MAC-ILLE-MHAOIL, FINCH, ONTARIO FONN:—“’Nuair thig an samhradh geugach oirnn.” Togmaid cliu le foirmealachd. An leòghain mheamnaich mhorghalaich, Air an staoilear a chluain gheanmhciche; Se’n darna h-ainm ’s na Domhnullaich, Am fineadh uasal, ainmheineach, Fior gharbh bhuilleach, garg, còmhragach, Cò nis a chuireadh fearg orra? ’Nuair dh’ éireas fearraghleas gleois orra. Gu ma buan an sgeula sin ’Ga leughadh us ’ga iomrachadh, Do nàimhdean a bhi géilladh dhuit, ’Stu féin toirt buaidh sgach cùis orra. Bu mhiann leat còir a stéidheachadh, ’S le eucoireach cha lùbadh tu; ’S gur h-ioma reachd a réitich thu Tha ’n duigh gu feum na dùthcha so. Gu ’m b’ òg thu ’n tigh na pàrlamaid, ’S gun sheas thu ’n t-àit gu cliuiteach ann; Bu dileas dha do chàirdean thu ’Ga ’n dion ’s gach càs gu cùramach. Ged thiondadh feachd do nàmhaid ort. ’S ged bhiodh a phàirtiadh dùbailte, Gu’m buinneadh tu buaidh làraich dhiubh, Dh’aindein àird an ionnsachaidh. Bu mhùirneach leinn ’s bu sholasach Do mhòrach a bhi ’g àrdaehadh ’S gun ghainne maoin na storais duit, Bho ’n ’stu bhiodh deònach pàirteachadh. ’S na faighinn-sa gu ’m òrdagh e Gun òrduichean fad làithean duit ’S tu thighinn a stigh ’na d’ ghòbharnair Le deòin us toil na Bàn-righne. ’S fada bho ’ n bu mhainnach leam An triath àrd chluiteach ainmeachadh, ’S na buaidhean a tha sinte ruit Gu cur fo chis nan cealgairean. Gur carraig dhaingeonn chinnteach thu Nach leigeadh ni le dearmad diot, ’S gu ’n gleidheadh Dia na firinn thu Do ’n tir so a tha ’n earbsa riut. ’S ioma buaidh tha g’ éiridh Air an treun-fhear uasal chliùteach so, Gur ite dhion na sgéithe thu Nach géilleadh le meath-ionnsuidhean, Gur lionar cùirt a réitich thu ’Sa chuir thu air ghleus ùrachaidh; ’S gur taitneach leinn an sgeula sin Thu féin bhi oirnn mar stiùradair. ’S gum beil thu fiallaidh, càirdeil, Agus bàigheil ’s gum bu dual duit sin. Tha meas a measg nan Gàidheal ort Gu bràcha nach dian fuarachadh. Gur h-ioma bochd a shasaich thu Do lamh-sa dhianadh fuasgladh orr’; ’S gu cinnteach gheibh thu pàidheadh ann An la a gharmear suas bhuain thu. Tha luchd bhriag ri tuarisgeul ’Sa cumail suas ’s na gàiseadan, Gu’m beil do mheas air fuarachadh ’San tuath a cinntinn gràineach ort. Ach soillear anns an uair so dhuinn Nach d’ fhuaireadh riamh a m faillinn thu; Tha thu ’s gach ceum a’ buaidheachadh ’S tu uachdaran “Ontario.” ’S craobh mhullaich mheurach bhlàthar thu, Tha toradh gràidh ’na plùranaibh, Tha ’freumh air bonn nach faillinneach, Toirt dith fàs us ùralachd; Ged dh’ éiredh siantan ard-ghaothach Bho bonn gu bàr cha lub i leis; Tha Dia ’ga gleidheadh sabhailte Cha leig le nàmhaid-drughadh oirr’. ’S nan thigeadh stri na euslan ort, Gu’n éiridh iad gu deònach leat; Na Gaidheil bidh gu leir agad, ’S gach treubh tha dhe na Domhnullaich. Ge b’e chuireadh eucair ort, Na dh’ fhiachadh streup na còmhstri ruit, ’S cinnteach mi gu feumadh e Bhi ’g iarraidh reite ’s cordadh ruit. Dh’ éireadh iad gu sundach leat Cha diùltadh iad an t òrdugh bhuait; Na Garranaich air thùs agad, Mar sin ’s na fiùrain Stormontach. Eiridh iad gun chùntas leat Gach aon fhuair iùil na eòlas ort, ’S bidh Peutanaich ’sa chùll agad S na b’urrainn tionndadh comhlath ris. Chaidh bruitheanaich gu ’n dichioll ruit, An stri ri spid a dhearbhadh ort. Tha iad ann am mi-ruin duit A chionn gach ni tha ’n earbsa riut, A dh’aindeoin an cuid innleachdan Cha b’fhirinn bh’aig na cealgairean, Tha iad a nis fo chis agad ’S iad anns an tir mar allamharaich. O! cuiribh suas ur n-iaratas Gu’n dianadh Dia do shabhaladh, Us t-fhagail moran bhliadhnachan A’ riaghladh mar a b’ àbhuist duit, ’S ’nuair thig an t-àm dhuit criochnachadh, Gur ìonad-siorruidh Pàrras duit, ’S gum biodh gach cùis deagh riaraichte, S do mhac diolladh t-aite dhuinn. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. [TD 337] [Vol. 4. No. 43. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 2, 1896. No. 43. A Priceville. Tha sinn an deigh an geamhradh fhaotainn seachad ged bha e gle dhuilich dhuinn faotainn troimhe gun a dhol air an togail. Ach a chuid nach d’fhalbh dhinn tha sinn air ar faotainn beò, slàn fhathast, agus comasach air tri bidh itheadh gach latha, agus ar n-obair a dheanamh gun moran sàrachcidh a dheanamh oirnn féin. Tha sinn trang gu leòr a nis a’ deanamh deas air son na curachd. Cha deachaidh moran a chur fhathast. Bha side fuasach blath againn o chionn deich latha. Bha tein’-athair us tàirneanaich ann air an t-seachdain chaidh seachad. Chaidh sabhal mor a losgadh leis an [?] bha faisg air a bhaile so. Bhuineadh an sabhal do fhear Abraham Hooper. Chaidh an gran uile a losgadh. Bha da fhichead ceann cruidh anns an t-sabhal, ach fhuair e mach iad gun dochann sam bith a bhi air a dheanamh orra. Chaidh na h-innealan-tuathanachais a bh’ aige losgadh air fad. Bha seachd ceud dolar de dh’ airgead-urrais air, ach cha dean e bhar leth na calldachd a dheanamh suas. Chaochail sagart sgireachd Phriceville (an t-Athair Maloney) o chionn mios, aig aois naodh bliadhna fichead. Bha e tighinn dhachaidh as an aifhrinn, ’sa dol seachad air baile Mardale ’nuair a bhuaileadh tinn e air an rathad. Chaidh e stigh do thigh Mr. Fogarty, thilg e e fhein air leabaidh, agus an ceann uair chaochail e. ’Se dh’ aobharaich a bhàs cuisle a sgàin ’na chridhe. Bha e ’na dhuine trom. Bu duine e aig an robh moran foghluim. Cha d’ fhuair iad fear eile na aite fhathast. Bha moran tinneis anns an àite so ré a gheamhraidh, ach tha e dol air ais a nise seach mar a bha e. Tha mi ’faicinn gu bheil a’ choille a’ tigh’n fo bhlàth cheana. Cha chuimhneach leam a faicinn riamh a mach cho tràth so, an fhicheadamh latha de dh’April. Tha cuid ri fàidheadaireachd gu’n tig reothadh mor, mar thainig an uiridh, a mhilleas na méasan, ach tha mi an dòchas nach bi annta ach fàidhean bréige. Tha mi faicinn gu bheil “Bodachan a’ Gháraidh” gu beothail fhathast. Cha robh mi féin a smaoineachadh gu ’m b’ urrainn daine sam bith mo Ghàilig a mholadh, ach tha mi faicinn gu bheil esan an duine còir ag radh gu bheil i gu math agam. Tha iad ag radh gur fheairde brà a breacabh gun a bristeadh. Cha ’n eil e tuilleaah is math duine mholadh glé mhòr, ach gu robh math aig Bodachan a Gharaidh, ’s gu ma fada beò e air son Gàilig a sgrìobhadh. Geallaidh mi dha tuilleadh de’n eachdraidh a thòisich mi air a sgriobhadh, an ùine gun bhi fada. G’n sgriobh mi a cheud chuid de’n litir so tha ’n t-side air fàs fuar a rithist, ach tha aimsir gle mhath air son obair ann, aimsir a chòrdas ri duine ’s ri ainmhidh. Slan leibh an drasda. IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Tha mi Cinnteach. Bha duine glic ann aon uair a thubhairt gur ann latha roimh ’n bhàs bu chòir do dhuine a shàr fhacal a thoirt. Ach tha, agus bha mòran ann a bheireadh an sàr fhacal latha sam bith. Tha iad làn-chinnteach asda fhéin. Ma their iad gu’n dean iad ni sam bith, tha iad cinnteach gu’n dean iad e, agus ma their iad nach dean iad ni sam bith, tha iad cinnteach nach dean iad e. Ma ghabhas sinn beachd air, chi sinn gu soilleir gu bheil na h-uile a tha làn-chinnteach asda fhéin mu thimchioll ni sam bith, ann an cunnart anabarrach gu’n dean iad na ceart nithean a tha iad làn-chinnteach nach dean iad a chaoidh. Bidh na h-ùile a tha làn-chinnteach asda fhàin, mar is trice, as am faireachadh. An saighdear nach ’eil ’na fhaireachadh, thig an nàmhaid air gun fhios da; an sgiobair neach ’eil ’na fhaireachadh caillidh e ’chùrsa, agus cuiridh e an long air na creagan; am fear aig am bheil suim airgid air a shiubhal, bheir na meirlich uaithe e mur bi e ’na fhaireachadh; am fear a bhios a’ dol uair is uair do’n taigh-òsda, agus a tha cinnteach nach fàs e déidheil air an òl, faodar a bhith cinnteach, ma leanas e roimhe, gu’n teid e bhar a chas an ùine gun bhith fada; agus iadsan uile a tha cinnteach nach eagal dhaibh ged a rachadh iad uair is uair do chuideachd na h-amaideachd agus a’ bhaoth-shùgraidh, fàsaidh iad amaideach agus baoth an ùine gun bhith fada. Dh’ fhaodamaid iomadh ni eile ainmeachadh mar dhearbhadh air gu bheil na h-uile a tha làn-chinnteach asda fhein an còmhnuidh as am faireachadh, agus mar sin, an cunnart dol cearr. Cò bu chinntiche as fhéin na Peadar, ach a chionn nach robh e ’na fhaireachadh, dh’ àicheidh e a mhaighstir. Gabhamaid beachd air Abraham, air Maois, air Iob, air Daibhidh, air Eliah, agus air iomadh duine math eile, agus chi sinn gu’n do thuislich iad anns na ceart nithean air son an robh iad ainmeil. Uaith so fòghlumadh gach aon dhinn an leasan so,—gur còir dhuinn ar ceart aire a thoirt nach bi sinn cinnteach asainn fhéin ann an ni sam bith. Di-luain s’a chaidh, leig Sir Mac Coinnich dheth a bhi ’na Phriomhair, agus chaidh Sir Tearlach Tupper a ghairm a stigh ’na àite leis an Ard-Riaghladair. Tha Sir Tearlach a nise cur ghnothuichean an òrdugh, agus a’ deanamh deiseil air son a chath a tha ri bhi air a chur eadar so ’s an treas latha fichead de dh’ Inn. ’S e an còigeamh Priomhair a bh’ air Canada, agus dhiubhsan a bha ’san dreuchd roimhe, cha’n eil nn diugh beò ach Bowell a mhàin. [TD 338] [Vol. 4. No. 43. p. 2] GAIDHEIL GHLINNEGARADH AN ONTARIO. LEIS AN URR. A. M. SINCLAIR. Anns a bhliadhna 1773 thanig aireamh mhath de theaghlaichean a Gleannagaradh is Cnoideart do dh-America. Shuidhich iad an Gleann na Mòhac am Mor-roinn Nuadh York. Bha Gaidheil a aiteachan eile anns a ghleann thaitneach sin cho math riuthasan. Bha fearann gu leoir ac’ uile, agus a reir coltais cha bhiodh dith no deireas orra. Bha Sir Uilleam Johnson agus a mhac, Sir Iain, gle mhath dhaibh. Nuair a bhrist na Geangaich am mach nan ceannaircich an aghaidh Bhreatainn sheas Gaidheil na Mòhac gu dileas le Righ Deorsa. Mu thoiseach na bliadhna 1776 dh’ fhag da cheud diu an aiteachan-comhnuidh agns thug iad Montreal orra gu dhol san arm Bhreatannach. Thill iad mu mheadhon an t-samhruidh ’sa bhliadhna 1778 le sgriob chabhagaich, agus thug iad leotha am mnathan san clann ’s gach aon eile a dh’ fhag iad nan deidh. Chaidh da reiseamaid a thogail ann an America gu cogadh air taobh Bhreatainn, reiseamaid Ailein Mhic-Gilleain, agus reiseamaid Shir Iain Johnson. Bha roinn mhath de Ghaidheil, cuideachd, ann an Siubhlachain Iain Bhutleir. Nuair a chriochnaich an cogadh sa bhliadhna 1783, ghabh cuid mhor de na Gaidheil fearann ann an Gleannagaradh. Bha coirneal a faotuinn 5,000 acair, caiptin 3,000, agus saighdear cumanta 200 dha fhein agus 200 am fear d’a mhic. Cha robh cion fearainn orra, nam b’ aithne dhaibh an tuagh a laimhseachadh cho math ris a ghunna-bhiodaig. Rugadh Sir Uilleam Johnson ann an Eirinn sa bhliadhna 1715. Thanig e do dh-America sa bhliadhna 1738. Bha e na dhuine comasach agus bha moran de chumhachd aige thairis air na Mohàcaich. Bha e anabarrach feumail do Bhreatann anns a chogadh a bha aca an aghaidh nam Frangach. Fhuair e 200,000 acair bho ’n chrun airson a shaothrach. Chaochail e sa bhliadhna 1774. Rugadh a mhac, Sir Iain, ’sa bhliadhna 1742. Chaill e a h-uile criomag de chuid fearainn airson seasamh le Breatann an aghaidh nan Geangach. Chaochail e an siorramachd Rouville an Cuibeic ’sa bhliadhna 1830. Bha moran fearainn aige. Bha e-fein agus ’athair nan seanailearan. Chuir e muileann a suas ann an Gleannagaradh aig Bail’ Uilleim, a dh’ ainmich e airson athar. ’Se ’s dòcha gum b’ e sin a cheud mhuileann a bha ann an Gleannagaradh. Bha Sir Uilleam, mac Shir Iain, na choirneal anns an arm Bhreatannach. Chaidh a mharbhadh a Waterloo. Tha ogha, Sir Uilleam, a comhnuidh an Twickenham, an Sasunn. Ghabh na Gaidheil tuineachas an Gleannagaradh ’sa bhliadhna 1784. Fhuair na Caitlicich sagairt, Mr. Ruari Mac-Dhomhnaill, ’sa bhliadhna 1785. Bu mhac e do dh-Fhear Lic an Gleannagaradh ’san t-Seann Duthaich. Ann an September 1786 thanig mu choig ceud de luchd-imrich am mach a Cnoideart agus aiteachan eile. Thog iad fearann an Gleannagaradh. Thanig an sagart a bha aca an Cnoideart, Mr. Alasdair Mac-Dhomhnaill, am mach comhla riutha. Rugadh Mr. Alasdair aig Scotas an Cnoideart sa bhliadhna 1750. Chaochail e sa bhliadhna 1803. Rugadh Mr. Iain Peutan san Eilein Sgitheanach ’sa bhliadhna 1751. An deidh dha ionnsachadh fhaotuinn sa bhi air a dheanamh na mhinistir thanig e do Charolina Thuathaich. Bha e na mhinistir-airm aig Gaidheil na tire sin nuair a dh’ eirich iad a suas air taobh Bhreatainn. Ghlac na Ceannaircich e, ach an deidh dha bhi greis na chiomach aca fhuair e saor. Thanig e an sin do Halifax ach thug e ’n t-arm air cho luath ’s a b’ urrainn e. Bha e na mhinistir ann an reiseamaid Ailein Mhic-Gilleain,—na h-Imaircich Rioghail Ghaidhealach. Nuair a ghairmeadh an t-sith thugadh dha 3,000 acair—urrad ’s a bha caiptin a faotuinn—ann an Gleannagaradh. Bha paigheadh caiptin aige san arm. Bha e na mhinistir am Montreal re bliadhna. Ann an May 1787 dh’ fhag e Montreal, agus chaidh e a chomhnuidh do Bhail’-Uilleim. Cha robh ministir dhe ’n eaglais Sheanaireach an Canada Uachdraich ach e-fhein. Bhaist e 2,379 leanabh. Chaochail e sa bhliadhna 1815. Dh’ fhag e sia mic na dheidh, Aonghus, Tormaid, Iain. Seumas, Alasdair, is Domhnall. Bha dithisd diu nam misteirean san Eaglais Shasunnaich, Iain agus Alasdair. Bha Mr. Iain Peutan agus an t-Easbuig Dhomhnallach nan cairdean matha. Bha iad le cheile san arm, agus faodaidh e a bhith ged a bha iad nan daoine cho tuigseach s bha iad gun robh iad beagan de ’n bheachd gun gabhadh sgireachdan cumail air doigh mar a chumadh Wellington na reiseamaidean aige fo smachd. Co dhiu bha no nach robh, dh’ eirich beagan de dh-aimhreit a suas ann an sgire a Pheutanaich. Dh’ aontaich a h-uile duine gun rachadh a chuis-chonnsachaidh fhagail gu breth an Easbuig. Chaidh an t-Easbuig air taobh a mhinistir, agus thug e searman do ’n t-sluagh air a bhith umhail do ’n cinn-iuil a rinn sith nam measg ’s a rinn feum dhaibh fhad ’s bu bheo iad. Anns a bhliadhna 1791 chaidh da mhor-roinn a dheanamh de Chanada, Canada Iochdrach ’s Canada Uachdrach. An ath bhliadhna chaidh Canada Uachdrach a roinn na naoi siorramachdan deug; Gleannagaradh, Stormont, Dundas, Grenville, Leeds, Frontenac, Ontario, Addington, Lennox, Prince Edward, Hastings, Northumberland, Durham, York, Lincoln, Norfolk, Suffolk, Essex, agus Kent. Bha coir mhath aig siorramachd Ghlinnegaradh air a h-ainm, oir bha moran de ’n t-sluagh a bha innte bho fhearann Mhic Ic-Alasdair. Dh’ fhag iad na caoraich thall, ’s thanig iad fein an nall. Bu mhath dhaibh gun danig. Thanig Alasdair Mac-Dhomhnaill, Fear Achadhuaine, am mach do Ghleannagaradh ’sa bhliadhna 1792. Thanig beagan de luchd-duthcha maille ris. ’Sa bhliadhna 1794 thanig mu dha-fhichead teaghlach a Gleanneilge do Gleannagaradh. Tha e cinnteach gun robh Leodaich nam measg. Thog iad fearann aig Cnoc-na-h-Eaglais. Thoisicheadh air togail reiseamaid Ghlinnegaradh an Albainn ’sa bhliadhna 1794. B’ e Alasdair Mac-Dhomhnaill, triath Ghlinnegaradh, ’bu choirneal oirre. ’S e Mr. Alasdair Mac-Dhomhnaill, sagairt a mhuinntir Ghlinnegaradh, a bha na mheadhan air a cur air chois, agus ’s e ’bu shagairt innte. Bha i deas gu dhol air obair mu mheadhan an t-samhraidh 1795. Goirid an deidh sin chaidh i do Ghuernsey, far an d’ fhuirich i gu toiseach an t-Samhraidh sa bhliadhna 1798. Chaidh i an sin an null do dh-Eirinn a chur casga air aramach a dh’ eirich a suas san duthaich sin. Rinneadh Mac-Mhic-Alasdair na cheannard air cath-bhuidhinn de ’n arm, no brigade. Chuireadh fear eile mar choirneal os cionn na reiseamaid. [TD 339] [Vol. 4. No. 43. p. 3] Faodar cuid de na h-oifigich ainmeachadh. B’ e Domhnall Domhnallach an coirneal, Tearlach Mac-Gilleain an fo-choirneal, agus Alasdair Mac Dhomhnaill am maidsear. B’ iad na caiptinean Domhnall Mac-Dhomhnaill, Raonall Mac-Dhomhnaill, Seumas Mac-Dhomhnaill, Gilleasbuig Mac-Dhomhnaill, Ruari Mac-Dhomhnaill, Gilleasbuig Mac-Lachlain, agus Uisdein Peutan. Chan fheil iomradh sam bith agam air na daoine so, ach nan robh Iain Bàn a bha sa Bheaver beo b’ urrainn d’a innse co iad. Chuireadh an reiseamaidh mu sgaoil sa bhliadhna 1802. Ann an samhradh na bliadhna 1802 sheol tri soithichean, làn de luchd-imrich, bho Ghearasdan Ionarlochaidh, agus thanig iad gu Cuibeic. Am measg an luchd-imrich bha moran de na daoine a bha ann an reiseamaid Ghlinnegaradh. Thugadh fearann saor dhaibh so ann an Gleannagaradh—da cheud acair do gach fear. ’S e ’n sagairt-reiseamid aca, Mr. Alasdair Mac-Dhomhnaill, a bha na mheadhan air an fhearann so fhaotuinn daibh, agus air an toirt do’n duthaich. ’S ann daibh bu choir a bhith na chomain, agus bha iad ann a sin. Ged is ann a Gleannagaradh is Cnoideart a bha a chuid mhor de na daoine a thanig do Ghleannagaradh ’sa bhliadhna 1802, bha roinn mhath dhiu a Gleanneilge, Ceanntaile, ’s aiteachan eile. Am measg nan ainmeannan-aiteachan an Gleannagaradh tha Lochiall, Eige, Strathghlais, Uibhist, Baile-Mhic-Mhartainn, agus Braidalbainn. Anns a bhliadhna 1852 bha’n aireamh a leanas de na fineachan a th’ air an ainmeachadh an Gleannagaradh,—Clann Domhnaill, 3,228; Clann-Mhic-Gillemhaoil 545; Clann Dughaill, 541; Clann Mhic-Rath, 456; Clann Leoid, 437; na Granndaich, 415; Clann Chamarain, 399; Clann Ghillios, 359; Clann Mhic-Ualraig, 333; Clann Ghillfhinnein, 322; Clann Duibhne no na Caimbalaich, 304; Clann-an-Toisich, 262; Clann Mhic-Gille-bhrath, 243; Clann Fhionghain, 242; Clann Mhuirich, 195; na Frisealaich, 176; Clann-a-Phi, 157; Clann-an-t-Saoir, 140; Clann Ghillandrais no na Rosaich, 139; na Siosalaich, 133; Clann Ghriogair 114; Clann Mhic Fhearghais, 110; Clann Labhrainn, 102; Clann Choinnich, 99; Clann Mhic Gillemhoire, 99; Clann Mhic Cormaig, 83; Clann Mhic-Mhartainn, 72; Clann Mhic-Aoidh, 70; Clann Lachlainn, 68; agus na Catanaich, 50. Tha dorlach math shluaigh ann an Gleannagaradh de dh’ fhineachan eile, agus de dh’ fhineachan ainmeil mar a bha Clann Donnachaidh, agus na Rothaich, ach chan fheil aireamh na tha ann diu agam. ’S e Aonghus mac Ailein a theirteadh ri athair an t-sagairt a bha ’n reiseamaid Ghlinnegaradh. A reir coltais ’s ann an Lic an Gleannagaradh a bha e comhnuidh. ’Se a rinn e chriomag orain so:— Tha gillean og’ ann an Lic; Is feaird iad aon phoc’ nam measg. Dh’ iàrr nigh’n Alasdair gun fhios Lit a thoirt do Chalum as. Ho, ho rathail ho, Ho, he rathail ho, Ho, ho rathail ho, Companas a cheannaiche. Tha cuid ag radh gun do rugadh Alasdair, mac Aonghuis Mhic Ailein, lamh ri Loch Nis. Tha cuid eile ag radh gun do rugadh e an Innis lagain an Gleannagaradh. Chuir an Gaidheal suairc nach maireann, Cailein Siosal, duilleachan beag do m’ ionnsaidh anns a bheil e toirt iomraidh air sagairtean Strathghlais. Tha e ag radh anns an duilleachan sin gun do rugadh Alasdair an Achadh-na-h-eaglais, an Strathghiais, agus gur h-e Anna Chamaran a b’ ainm d’ a mhathair. Faodaidh e a bhith gun d’ fhag Aonghus mac Ailein Lic, agus gun deach e a dh’ fhuireach do Shrathghlais. Rugadh Alasdair Mac Dhomhnaill, Alasdair mac Aonghuis Mhic Ailein, sa bhliadhna 1787. Fhuair e ’ionnsachadh ann am Paris ’s a Valladolid. Rinneadh sagairt deth ’sa bhliadhna 1787. Bha e na shagairt airm an reiseamaid Ghlinnegaradh fhad ’s a chumadh ri ’cheile i. Mar a dh’ ainmich mi cheana ’s e a bha na mheadhan air a cur air chois agus air fearann saor fhaotuinn do na daoine a bha innte. Thanig Mr. Alasdair do Ghleannagaradh ’sa bhliadhna 1804. Rinneadh easbuig dheth sa bhliadhna 1826. Bha eaglaisean Caitliceach Chanada Uachdraich gu leir fo ’riaghladh. Bha e na dhuine mor, tlachdmhor. Bha sia troighean, agus ceithir oirlich de dh-airde ann agus bha e garbh do ’reir sin. Dh’ fhaodadh Domhnall Mhamaidh failte ’chur air marfirst field marshal of Upper Canada mar a chuir e failte air an Easbuig Fhriseal air sraid Antigonish mar first marshal of Nova Scotia. Bha ard-chomasan inntinn aig an Easbuig Dhomhnallaeh agus bha e lan de ghliocas. Bha e na Ghaidheal gu chul, dileas d’a luchd-duthcha agus dileas do Bhreatann. Thug e sgriob do dh-Albainn ’sa bhliadhna 1839. Chaochail e an Dun-phris mu thoiseach na bliadhna 1840. Thugadh a chorp do ’n duthaich so an 1861. Tha e an tiodhlacadh aig Baile-an-Righ, no Kingston. “Fhad ’s a bhios grian air na speuraibh. No gealach ag eirigh san oidhche, No gaoth a seideadh ’sna h-àirdibh, Bidh cliu nan Gaidheal air chuimhne.” Bha Eireannach uair a’ bruidhinn mu mheudachd America agus ars esan, “Tha iad ag radh riumsa gu ’m faodadh tu Sasunn a chuidhleadh troimh America agus nach deanadh i uiread us làrach fhàgail; tha cuaintean uisge ann anns am faodadh tu seann Eirinn a bhàthadh; agus Alba, dh’ fhaodadh tu an dùthaich sin a thilgeil ann an cùil de dh’ America, ’s theagamh nach amaiseadh tu gu bràth tuilleadh oirre mur fairicheadh tu fàileadh an uisge-bheatha.” SGEUL EIREANNACH.—Cheannaich Eireannach uair sia asail air féill; chaidh e mharcachd fir dhiubh agus shaodaich e càch roimhe. Mu’n d’ thainig e bhar muin an asail aig a dhachaidh, thòisich e air na h-ainmhidhean a chùnntas, ach cha robh ri fhaicinn ach a còig. “Feumaidh gu’n do stad am fear eile air an rathad,” arsa Pàruig. Thill e, agus chaidh e sios us suas, a feòrach de gach duine thachradh ris am fac’ e asal fuadain, gus an robh am beothach bochd a bha e marcachd air a shàruchadh cho mer ’s gu’n do dhiùit e dhol ceum na b’ fhaide, agus b’ fheudar do Phàruig tigh’n dheth. Air dha sin a dheanamh thug e ’n aire dha’n asal, agus ars esan, “Nach mi-fhin au dearg amadan! A siubhal na dùthcha ag iarraidh an asail, agus mi fad na h-uine ’ga mharcachd!” Tha tri fichead duine ’sa tri de shliochd na Ban-righ beò, seachdnar chloinne, tri deug air fhichead de dh’ oghaichean, agus a tri air fhichead de dh’ iar-oghaichean. [TD 340] [Vol. 4. No. 43. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, MAIGH 2, 1896. Chuir Coithional Mhira agus Chatalone a stigh air son ceisteir fhaotainn ré an t-samhraidh so, gus a bhi ’na fhear-cuideachaidh do’n Urr. Mr. Calder, ach b’ fheudar an diùltadh a chionn gu bheil iadsan a shearmonaicheas Gàilig ro ghann. Tha cuideigin a sgriobh á Catalone gu fear de phaipearan a bhaile ag ràdh, agus ag radh le firinn, “Nach eil e iongantach cainnt a rinn na h-uiread de mhath anns an t-saoghal, agus a tha fhathast na meadhon air math a dheanamh, agus a tha daonnan air a sireadh, a bhi air a tur dhearmad anns na colaistean, ’nuair a thatar a cosg moran uine a teagasg chànainean eile air nach cuir na foghlumaichean feum am feasda.” ’Se ar barail féin gu bheil e da-rireadh iongantach agus maslach cùisean a bhi mar sin. Thatar a meas gu bheil suas ri ceithir cheud mile de luchd-Gaìlig ann an Canada, moran dhiubh sin nach tuig cainnt sam bith eile, agus cha’n aithne dhuinn gu bheil a mach air aon cholaiste anns an duthaich air fad anns am faigh foghlumaichean cothrom air a chainnt sin ionnsachadh air dhoigh ’s gu’u teid aca air an soisgeul a shearmonachadh innte. Gheibh iad eòlas a chur air Greugais, Laidionn, Eabhra, Fraingeis agus cainnt sam bith eile, mar a chi iad féin iomchuidh, ach a Ghàilig, feumaidh iad deanamh leis na dh’ ionnsaich iad o’n athair ’s o ’m màthair, airneo deanamh as a h-aonais gu buileach, agus gu tric ’se sin a tha iad a’ deanamh. Cha’n ainneamh leinn fhaicinn daoin òga aig ann bi deagh Ghailig a dol dh’ an cholaiste, nach urrainn Gailig a shearmonachadh ’nuair a thig iad as, agus ’s aithne dhuinn sgireachdan anns am bheil moran de luchd Gailig nach eil a cluinntin facal searmoin ’nan cainnt féin eadar da cheann na bliadhna. Bu chòir do gach eaglais aig a bheil luchd-leanmhuinn am measg nan Gàidheal, oidhearp làidir a thoirt air teachdairean gu leòr a bhi aice gus teagasg a thoirt dhaibh nan cainnt fèin, ge bi àite ’m bheil iad. Chaidh sluagh na Gearmailt àireamh o chionn ghoirid, agus fhuaireadh gu robh leth-cheud mulllein ’sa dha anns an Iompaireachd air fad. Tha sin ceithir mile deug a bharrrchd air na th’ anns an Fhraing. Cha’n eil an ùine fada bho’n bha ’n Fhraing fad air thoiseach air Breatunn ’s air a Ghearmailt ann air aireamh a sluaigh ach tha i a nis air deireadh orra le chèile, agus e sior dhol na’s fhaide air deireadh. A charaid, ma tha deis’ aodaich a dhith ort, feuch gu’n teid thu dh’an stòr aig D. J. Domhnullach, ’S e ’n aon àite ’s fhearr ’sa bhaile air son aodaichean deante. Is ioma dragh a thig air aois. Is ioma ceann a théid ’an currag mu’n tachair sin. Is ioma cron a bhios air duine bochd. Is ioma cron a bhios air leanamh gun mhàthair. Is ioma deadh ghnìomh a dheanteadh mur b’ e a dholaidh. Is ioma dòigh a th’ air cù a mharbhadh, gun a thachdadh le ìm. Is ioma fàth a th’ aig an Earrach air a bhi fuar. Is ioma fear a chaidh a dholaidh, le deadh chùnradh a cheannach. Is ioma fear a chaidh do ’n choille air son bata dh’ a dhruim fhéin. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, Ottawa, Ont. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 341] [Vol. 4. No. 43. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha Mr. Daibhidh Manson ri bhi ann an Talla na Siorrachd an nochd, a’ cluich air a Phiob, agus a dannsan nan dannsan Gaidhealach. Tha e sàr mhath air an da chuid, agus tha sinn an dòchas gu’n teid moran ’ga éisdeachd. Bha ’n dithis ghillean, Gillios agus Mac Neill, a bhrist a stigh do stòr Lawlor ann an Sidni Tuath o chionn da sheachdain, air an toirt gu cùirt air an t seachdain s’a chaidh, agus fhuair gach fear aca da bhliadhna dhe ’n tigh-obrach. Chaidh gille beag a thachdadh le pios tuirneap ann am Moncton, N. B., an la roimhe. Bha a mhàthair a’ rùsgadh tuirneip agus thòisich esan air itheadh chrimeagan dhith; shluig e pios a bha ro mhor, agus chaidh a thachdadh leis. Chaidh seachdnar dhaoine a mharbhadh le spraidheadh ann am mèinn airgeid am Montana air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh sianar eile a leòn. Bhuineadh fear dhiubhsan a mharbhadh, Domhnull Ros, do Seaview, ann an siorrachd Richmond. Bha a ghaoth a séideadh o’n àirde ’n iar a cheud chuid dhe’n t-seachdain so, agus chuir i fuadach math air an deigh mhòir, a bha Di-sathairne ’s Di-dòmhnaich a stigh am beul na h-acarsaid. Tha sinn an dochas nach cuir i an còrr dragha air an àite so air an t-samhradh so. Chaidh fear de na seirbheisich aig Morair Obaraidhean a mharbhadh le urchair gunna an la roimhe. Bha e fein us fear eile a’ sealg ian, agus dh’ fhalbh an urchair as a ghunna a bha aig an fhear eile ’s chaidh i ann-san. Chaidh a ghiulain do’n tigh ach mu’n d’ rainig iad leis bha e marbh. B’e ’n de a cheud latha dhe’n t-samhradh, Latha Bealltuinn, agus b’e latha cho aognaidh fuar ’sa thainig o chionn da mhios. Bha sneachd us uisg’ a’ sileadh agus gaoth tuath a séideadh. Bha an latha mu dheireadh dhe’n earrach a cheart cho fuar, ach cha robh an sneachda sileadh cho mor. Bha coinneamh aig a’ Chomunn Chaledòineach oidhche Dior-daoin. Bha àireamh mhath de na buill cruinn ged a bha ’n oidhche glé stoirmeil. Thug Mr. Manson á Haifax dhaibh dha no tri chuairtean air a phiob mhòir, mar is math a theid aige air a dheanamh. Bi an ath choinneamh aig a chomunn oidhche Dior-daoin, an 25 mh latha de dh’ Iun. Chaidh sianar dhaoine bhàthadh aig Leeds, baile beag ann an Cuibeic air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fheuch ochdnar dhaoine ri dhol thairis air an amhuinn ann am bàta. Bha tuil mhor anns an amhuinn aig an àm, agus ’nuair a bha ’m bata mu mheadhon na h-aimhne, thainig an sruth cho láidir air ’s gu’n deach e thairis, agus dhe’n ochddnar cha d’ fhuair gu tir ach a dithis. Chaidh càch a bhàthadh agus chaidh an cuirp a’ sguabadh thairis air eas Lisander, a tha mu cheud troigh a dh’ àirde. Chaidh tigh a bhuineadh do bhantraich, Sine York, a losgadh ’sa Bhras d’ Or Bheag air a cheathramh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh, agus chaill a bhean bhochd na bh’ aice ris an t-saoghal. Bha i a’ fuireach còmhla ri càirdean ann an Sidni Tuath fad a’ gheamhraidh, agus bha dùil aice dhol a dh’ fhuireach dha tigh féin an ùine ghoirid. Cha’n eil teagamh nach e cuid eigin a chuir teine ris. Chaidh sabhal le Calum H. Mac Leòid, ann am Margaree a Tuath, a losgadh oidhche Dior-daoin, an treas latha fichead dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Chaidh seachd cinn chruidh a losgadh. Bha tri eich anns a bhàthaich, ach fhuaireadh an toirt a mach sàbhailte. Chaidh an teine fhadadh le feadhainn a bha mu’n cuairt air fear de na h-eich a bha tinn toiseach na h-oidhche. B’ fhiach na chailleadh ceithir cheud dolair. Chaidh fear Simon Pettipas agus a mhac a bhàthadh ann an Arichat Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad a mach ag iasgach; dh’ fhàg iad an tigh mu mheadhon-latha. Chunnacas iad an deigh sin ag obair air cur air dòigh nan lion, agus a’ cur an aghaidh air tir. Fhuaireadh am bàta ’se air a bheul fodha feasgar, agus an la ’r na mhàireach fhuaireadh an cuirp air grunnd na h-acarsaid. Cha robh an gille ach ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. Chaochail Deorsa Munro, aig Pine Hill faisg air baile New York air an treas latha fichead de dh’ April. Thuit e marbh air an rathad ’se dol dha chois far an robh saoir ag obair air an tigh aige. ’Se tinneas a chridhe a thug a bhàs. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Bha e anabarrach beairteach, agus thug e moran airgeid, $300,000 dolair air fad, do Cholaiste Dalhousie ann a Halifax. Rinn e a bheairteas uile air cur a mach leabhraichean. Tha an t-Urr. M. A. Mac Coinnich, ministeir Ghrand River, agus a bhean, air a dhol air chuairt do dh’ Alba. Dh’ fhàg iad Halifax air an 18mh latha de dh’ April. Tha iad gu bhi air falbh tri miosan. Tha an t-Urr. I. F. Forbes, ministeir St. Andrews, ’sa bhaile so, a’ dol a ghabhail sgriob do’n t-Seann Duthaich mar an ceudna. Bidh e falbh mu thoiseach an ath mhìos. Tha sinn an dòchas gu’m bi turas math aca, agus gu’n tig iad air ais ann an deagh shlàinte. BAIS. Ann an Catalone, air an 18mh latha de dh’ April, Domhnull, mac Dhomhnuill Dhomhnullaich nach maireann, tri bliadhna fichead a dh’ aois. ’Si chaitheamh a thug a bhàs, agus b’e ’n treas duine dhe’n teaghlach a chaochail leatha o chionn da bhliadhna. Aig Cladach Framboise, air a choigeamh latha fichead de dh’ April, Mor, bean Alasdair ’Ic Leòid, an deigh dhi moran fhulang fad a gheamhraidh. Dh’ fhàg i fear agus teaghlach mor ’na deigh, a’ caoidh màthair dhileas agus dhleasdanach. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 342] [Vol. 4. No. 43. p. 6] TURUS A MHARAICHE. CAIB VIII. Ma’n d’ thàinig feasgar an la ud bha “Rudha gun Dochas” air fhàgail fad air deireadh, agus maile ris “Carraig nan Al. An sin dhealraich solus na gealaich mar sholus na greine, agus solus na gréine seachd fillte mar sholus seachd laithean. Bha ’n t-àileadh blàth agus làn de chùbhraidheachd milis, agus ’nuair bha obair an latha criochnaichte, thionail na maraichean ma’n cuairt air a chrann mhòr, agas labhair iad air dòighean iongantach an Tighearn. Las an cridheachan an taobh stigh dhaibh. Bha gach sealladh agus fuaim a tabhairt da’n ionnsuidh smuaintean freagarrach air a mhaitheas. Labhair a ghaoth ma ’n ghaoith ud tha seideadh far an àill leatha; tha sinn a cluinntinn a fuaim ach cha n-eil fios againn co as a tha i teachd no càite bheil i dol. Labhair an Cuan Mòr agus farsuing riutha maille ris na tuinn ma’n fhirinteachd sin tha còmhdach suas uile pheacadh agus aingidheachd an anam. Bha na siùil a’ brùchdadh a mach fuidh na gaothan air an lionadh le maitheas Dé aig a bheil a throcair anns’ na neamhan shuas agus a dhilseachd ruigheachd gus na neòil. Bha a bhreitheànais mar an doimhe mhoir, agus na tobraichean cruth an ti sin is e tobair na beatha; agus na sholus san chunnaic iad solus ’nuair dh’ éirch Grian na Fiainteachd le slàinte ’na sgiathaibh. Chuimhnich airsan tha ciùineachadh fuaim na fairge agus garbh-thonnan na mara fuaim na mara agus iorghuill dhaoine. Rinn dol a mach agus teachd a stigh an anamsich gàirdeachas, agus thug iad glòir do ’n Dia sin aig am bheil uachdranachd o thuinn gu tuinn, bho ’n amhainn gu criochaibh na tàlmhuinn. Chunnaic na maraichean a shlighe anns a chuan agus a cheumannan anns na tuiltean mòra. Bha sailean a sheomar air an leaghadh anns na h-uisgeachaibh, a’ deanamh nan neul ’nan carbad dha a suibhal air sgiathaibh na gaoithe. Nuair a dh’ fheòraich neach, cia as a gheibhear gliocas? Their an doimhne cha ’n ’eil i annam-sa, agus their a mhuir, cha ’n ’eil i maille riumsa. Agus nuair bha cuimhne ’m peacaidhean na laidhe trom orra, sheinn iad gu tric: Cò a’s Dia ann cosmhuil riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air eusaontas iarmaid oighreachd? Cha ghleidh e a chorruich gu siorruidh a chionn gur toigh leis trocair. Pillidh e a ris, gabhaidh e truas dhinn comhdaichidh e ar n-eusaontais, seadh tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachd na fairge. Blar Inbhir-Lochaidh. “Do thluaisdar o chill chuimin tar lairc bhurraid 7 astech gu Glén ruaigh 7 tairis an sbethain 7 tarrla pàrtuidh don namhuid dhoibh àn soin 7 do leansad iad 7 do marbhadh anurmhor 7 an droing do chuaidh as diobh tugadar sgeala don champa 7 do bhi anmach dia sathrain ar techt orrtha an tra rangadar ar comhair anamhad. Do chuaidh an sluaigh mic Cailin ar accoimeid 7 do bhi faraire gac sluaigh dhiobh ag lamhach ar achéile ar fedh na haòiche. Do chuaidh mac cailin fein na luing 7 do fhàgaibh tigerna achuidh na mbrec re haghaidh na hiorghaile, acht a bfhior thòse na maidne do coirgheadh na catha aneagar 7 anòrdughadh Dia dòmhnaigh la féile brìde an cét la dearach ano domini 1645. Do cuireadh amach a harm an ri cuidechta 7 ’Magnus mac Giolla dhuibh i chathain rompa, 7 do cuiredh cuideachta eile na naghaidh as arm mic Cailin 7 Giolla asbuig mac Giolla esbuig òig tigerna na mbingingedh tug an da Phàrtuidh troid da cheile nior fada gur brisdedh ar an partuigh sin airm mic cailin gur cuired na corp fein go haimdheònach iad do chuaidh corp anairm trid a cheile dhe sin tugadh anaduansa orrtha 7 do brisedh uile. Do marbhadh ùrmhor an tsluaigh 7 do bàthadh iliomad diobh ar bhun neimheis, do marbhadh tigerna achaidh na mbrec 7 tigherna chàraduil 7 Provisd Chilimuna do ghabhad tigerna Bharrbhric, tigerna òg Charadail, mac Iomhair na Pinginge mòire, do gabhadh an chuid nar marbhadh do chinedh mic Cailin uile an la sin.”—Reliquiae Celticae. Tha an cunntas so mu dheibhinn Blar Inbhir Lochaidh, air a thoirt o “Leabhar Dearg Chlann Raonuill,” a bha air a chlo-bhualadh o chionn ghoirid anns an dara leabhar de “Reliquiae Celticae.” Gheibh ar luchd-leughaidh an so sealladh air an dòigh air an robh a’ Gháilig air a sgriobhadh leis na Gàidheil da cheud gu leth bliadhna roimhe so. Ard ’san t-Saoghal. Tha ’m báta-smuide a’s àirde th’ air an t-saoghal ri fhaicinn ann an ceann a deas America. Ann am Peru tha loch ris an canar Titicaca a tha sia fichead us deich mile (130,000) troigh os cionn na fairge, agus air an loch sin tha bàta-smùide a ghiulanas luchd coig ceud gu leth tunna. Chaidh am bàta sin a thogail ann an Dumbarton, an Albainn, a thoirt a mach gu Port Mollendo, air cladach America Deas, agus á sin a ghiùlan na phiosan suas na beanntan Andes dh’ ionnsuidh an locha, astar thri ceud us coig mile fichead, agus an sin chuireadh ’na chéile a rithist e. Bha e na obair mhor agus dhoirbh so uile dheanamh. ’Se Albannach de’n ainm Iain Wilson a bh’ air ceann a ghnothuich bho thoiseach gu deireadh. O’n bhliadhna 843 gus a bhlìadhna 1107 bha a’ Ghaìlig air a labhairt feadh na h-Alba air fad. Bha i air a labhairt leis na Righrean agus leis an luchd àiteachaidh gu leir. Bha innleachd, agus ealain, agus litreachas na Gàidhlig air an cumail suas re an ama sin. Ach ’nuair a thàinig an ciad Alasdair gu caithir-rioghal na h-Alba anns a bhliadhna 1107, thòisich e air cur dimeas air cainnt a shinnsear, ach ged a thoisich cha b’ i a Bheurla bu mhath leis a chur ’na h-aite, oir b’ i cainnt nan Normanach (seorsa Fraingeis) a bu toigh leis, agus b’ àbhuist da a radh gu’m b’ i an t-aon chànain uasal a bha anns an t-saoghal. Bha cuideachd bheag ’nan suidhe mu’n ghealbhan, ann an seòmar taigh-òsda, aon oidhche, agus dh’ éirich deasbaireachd eadar dithis dhiubh mu dheidhinn cùis na h-Eaglaise. Mu dheireadh dh’ fhas a’ chonspaid cho fuaimneach ’s gu’n do dhùisg iad cù mòr a bha ’na chadal air beulthaobh an teine. Thosich an cù r’a donnalaich uamhasach a dheanamh. Air so dh’ eiriich seann duine agus bhreab e an cù, ag ràdh aig an àm cheudna, “Bi samhach a bheist! cha’n ’eil thu a’ tuigsinn na cùise dad ni’s fearr na tha iad fein. Tha iad a’ deanamh a mach gu bheil muillein de dhaoine dall air an t-saoghal—no aon as gach ceithir cheud deug dhe’n t-sluagh. Ruig D. J. Domhnullach air Comhdach Fhirionnach. [TD 343] [Vol. 4. No. 43. p. 7] A Cobh nan Eirionnach. A DHEAGH CHARAID,—’S fhada o’n a bha dùil agam sgriobhadh ugad, ach bha gne de dh’ eagal orm nach deanainn an gnothach cho math ’s bu mhath leam. Ach, mar a tha air a radh, ’s miosa an t-eagal na’n cogadh. Tha mi faighinn do phaipeir gasda a chionn treis a dh’ ùine, agus bidh fadachd orm gu ’n tig ceann na seachdain, nuair a bhios dùil agam ri naigheachdan inntinneach, toilichte as a chainain rioghail a chleachd air sinnsir ann an tir nam beann ’s nan gleanntan. Cha ’n eil moran naigheachdan agam ri innse dhuit an dràst. Tha biadh spreidhe gu math gann am bliadhna sa cearna sa dhen Eilean, agus tha ’n t-earrach gu math fadalach. Thachair ni nach tachair na h-uile bliadhna faisg air an àite so a chionn ghoirid. Rugadh nighean òg da ’n ghobha Mac Neill, ’sna cùil, air a 29mh latha de Februaraidh, aig nach bidh latha-breith, gus am bi i ochd bliadhna dh’ aois. Saoilidh duine aineolach air reir ainm an àite seo, nach eil ann ach Paddies uile gu lèir, ach cha’n ann mar sin a tha idir; ’se an th’anns luchd-aiteachaidh smior nan Gàidheal, a dhlùth sa dh’ uachdar. Bha duine dubh, dha ’m b’ ainm Marshall, ann a seo a chionn goirid, a bha leigeil air a bhi na dheadh dhannsair, agus dh’ fhaodadh e sin, ach tha sean Ghàidheal ’s an àite seo, dhe’n ainm Fionnlaidh Domhnulllach, a chuireadh da char dheug dheth fhéin ma ’n cuireadh esan aon char. O’n is i so a’ chiad ionnsuidh a thug mi air sgriobhadh ugaibh, ’s fhearr dhomh sguir ma fàs mo litir ro fhada, ach o’n nach robh i math bha mi air son deagh thomhas a thoirt dhuibh. ’S mise do charaid, an la chi ’s nach fhaic, ALAIDIR CARRACH. Anns a’ bhliadhna 1695 thug an treas Uilleam Righ Shassuin òrdugh airson màil Easbuigeachd Earraghaidheal agus nan Eileanan a bhi air a thional leis na saighdearan aige, a chum ’s gum bitheadh an t-airgiod aige airson Sgoilean Beurla a thogail, òir chuir e roimhe a’ Ghàidhlig a chur as gu buileach, glan. Is fada o’n uair ud ach tha a’ Ghailig beò fathast, agus is e dùrachd gach fior Ghaidheil nach faigh i bàs gu bràth. B’ ann ri linn an Righ so thugadh an t-òrdugh air son Mort Ghlinn Còmhainn. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 344] [Vol. 4. No. 43. p. 8] BOINEIDEAN CORRAOH DHUINDIAIGH. AIR FONN “The Bonnets of Bonnie Dundee.” Ri sàir Cuigse ’n Dunéidiunn Thuirt Cléibhers’ mar so— Mu’n d’ thig crùn an Righ ’nuas ’S ioma cnuachd a bhios goirt, Gach lasccaire treun Leis an éibhneas glonn-ghniomh ’Nis togadh air, ’s leanadh e Boineid Dhuindiaigh! FONN—Lionar mo chopan Dearr-lionar mo chuach, ’Us diolaidear m’ eaehraidh, A mach biodh mo shluagh; ’Ghrad fhosglar an i-Iar-phort, ’Us leigoar dhomh triall,— Tha togail fo bhoineidibh Corrach Dhùindiagh. Leum Cléibhers’ air ’each Agus mharcaich tre ’n t-sràid Sheinn na cluig air an ais, Bhuail gach druma le stàirnn; Ars’ am Prothaiste còir, “Leigear fòil leis a shrian, Oir ’s maith as ar comunn An Rosad, Dundiagh.” Lionar mo chopan, &c. Mar mharcaich le sùrd Tre na Lùbaith, ’n a still, Bha gach cailleach a’ tathunn, ’S a’ crathadh a cinn; ’S na h-ògana gràsmhor ’G amharc blath air an t-sonn, ’S a’ guidhe ‘buaidh-larach,’ Do dh’ Armunn nan glonn.’ Lion Cuigsiche searbh-ghnùiseach Margadh-an-fheòir; Mar dhaoine ri’n crochadh B’e coltas a phòir, ’N uair’ bha iad a’ coimhead, Le goigh, ’us le fiamh, Am faiceadh iad seolladh De bhoineid Dhùindiaigh. B’airm sleagh, ’us bior-feòla Do na ceosaich o’n Iar, Agus corc air bharr bata, A chasgradh nan cliar; Ach theich as an rathad, Le h-athadh fo dhion, Aig faotainn doibh plathadh De mhaithibh Dhùindiaigh. Spuir ’each gu cois craige sin, Caisteil nan stuadh, Thuirt grad ris a Cheann— Coileach sar an Taoibh-tuadh— “Canadh ‘Meig,’ ’sa co-bhrath’rean, Diog bhlath’-coig no sea— A labhras teas graidh Bhoineid aird-ghuirm Dhuindiaigh.” Diuc Gordon ’sin dh’ iarr, ‘Cean is triall dhuit a Sheoid?’ “An ceum sin a dh’ fhoilslicheas Taibhse Mhointrois! ’Us cluinnidh bhur Grasan, Gun dail ormsa sgial; No ’s iosal ’s an arfhaich Boineid ard-ghorm Dhuindiaigh “Ma tha Moirfhearan pailt, Ann am magh-thir man Gall. Gur lionmhor Cinn-chinnidh, ’N tir ghlinnich nam beann, ’S naoi mile Duin’ uasal, ’Dh’ eireas suas leam gun fhiamh ’Us iolach a thogas Air bhoineid Dhuindiaigh. “Air an sgeithidh tha pràis— Seiche làn chairte ’n tairbh— ’S an truaille ’tha lamh ri’ Tha staillinn gun mherig; Agus dearsaidh a’ phràis. Drillidh ’n staillinn mar ’ghrian ’N uair’ thogar le h-ardan. Boineid ard-ghorm Dhuindiaigh. “Air falbh thun nan coilltibh, Nan creag, ’us nam beann; Ni mo leaba ’s an t-Saobhaidh, Mu ’n taobh le righ feall. Gabhaidh oillt, a chealg-chuigsich, ’S gearr-mhairiann bhur rian, Dh fheobh fathast garbh-shealladh De bhoineid Dhuindiaigh.” Chrath e rithe nan euchd, Agus sheid an stoc cruaidh, ’Choire-dhruma bhuail bras, Am marc-shluadh ’ghrad ghluais; Seach Stiuic Bhaile-raobhaill, Agus Raon Bhaile-cliar— Gu’n ’chailleadh, ’san astar, Ceol tartrach Dhuindiaigh. Lachuinn Mac Mhuirich. Gu fear-deasachaidh Mhic-Talla. Ceadaich dhomh beagan fhacal a radh mu ’n bhàrd, Lachuinn Mac Mhuirich, a tha ’gabhail còmhnaidh an so. ’Se mo bharail gur math is airidh e air facal molaidh. Cha ’n eil fios agamsa a bheil no nach eil am bàrd so de shliochd Chlann Mhuirich, a bha leanmhuinn teaghlaich Mhic-’ic-Ailein, ach ged a bhitheadh agus Mac-’ic-Ailein fhein agus am bàrd urramach sin Niall Mac Mhuirich, a bhi fhathasd a làthair, tha mi cinnteach nach gabhadh iad tàmailt á bàrdachd Lachuinn. ’S iomadh òran blasda ceòlmhor a rinn e, agus a tha e deanamh. Air eagal gu faod a shaothair a dhol air chall, mar a chaidh roinn de shaothair a’ bhaird a dh’ ainmich mi, ’sann a tha e a’m bheachd pàirt de na h-orain aige fhaighinn air a clodh-bhualadh, agus ’s ann nach biodh e mi-iomachaidh leabhar a dheanamh orra. Tha dochas agam gu cuidich am bàrd fhein mi gu sin a dheanamh. Tha am bàrd gle dheigheil air a bhi an comunn nan caileag agus ’s tric leis duanag a dheanamh a moladh na te air an gabh e gaol. Tha spéis mhor aige, ’n drasda, do thé nach leig mi leas ainmeachadh. Air dhaibh a bhi comhladh ann an tàigh coimhearsnach an latha roimhe, thanig balach dha ’n do nochd ise barrachd caoimhneas ’sa chòrd ris a bhàrd. Am feadh ’sa bha esan ga leòn air taobh eile na cagailt thaisbean e a’ spéis dh’ ise leis a cheathramh òrain a leanas a sgriobhadh ’sa thoirt dhi. Tha e sealltuinn gu bheil spiorad na bàrdachd daonnan ga thàladh. “Mo cheist a bhan-scolair bhòidheach, Aig am biodh an còmhradh caomh. Beul a’s binnce o’n dig oran, B’e mo dheòin a bhi ri taobh.” Innsidh mi dhuit tuilleadh mu’n bhàrd fhathasd. Slàn leat an dràsda. CARAID A BHAIRD. Loch Gillios, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 345] [Vol. 4. No. 44. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 9, 1896. No. 44. Crunadh Sar Ruisia. Tha Sàr no Iompaire Ruisia ri bhi air a chrùnadh air an t-siathamh latha fichead dhe’n mhios so. Tha ’n crùnadh ri bhi air a dheanamh ann am baile-mor Mhoscow, seann cheanna-bhaile na dùthcha. Air an ochdamh latha deug, giulanaidh sreang riomhach de charbadan-iaruinn an Sàr agus a bhean o St. Petersburg gu Moscow. Tha ceithir cheud mile de dh’ astar eadar an da bhaile, agus bidh sreath de shaighdearan air gach taobh dheth ’n rathad fhad ’sa bhios na carbadan le’n luchd rioghail a’ dol thairis air. Tha ’n rathad-iaruinn air fhastadh aig an Riaghladh (agus ’se ’n Sàr an Riaghladh ann an Ruisia) fad mios, eadar an t-seachdamh latha fichead de dh’ April ’san t-seachdamh latha fichead dhe ’n Mhàigh. Tha chuideachd leis an leis an rathadh ag ràdh nach eil de charbadan aca na ghiùlanadh an fhicheadamh cuid de’n t-sluagh a bhiodh ag iarraidh gu Moscow aig àm a chrùnaidh, agus mar sin cha toir iad oidhearp sam bith air an sluagh cumanta ghiulan ach mar a fhreagras dh’ an teaghlach rioghail. Cha’n eil teagamh nach eil sin a cheart cho math, oir duine sam bith aig nach eil àite-còmhnuidh air fhastadh ann am Moscow, ’s co moth dha fuireach as, oir cha ’n fhaighear tigh no rùm anns a’ bhaile sin nach eil air a ghabhail cheana. Theid an Sàr ’sa bhean a stigh do Mhoscow le greadhnachas agus riomhadh mòr air an aonamh latha fichead. ’Se so an sealladh a’s mo a gheibh an sluagh air dad a bhios timchioll a chrùnaidh, agus bi e ’na shealladh eireachdail. Tha an Sàr fhéin ’sa luchd-riaghlaidh an deigh muillein dolair a chosg ag ullachadh air a shon, agus a bharrachd air a sin bidh cosgais mhòr air a dheanamh le pearsachan rioghail agus an luchd-ionaid á dùthchannan eile. Tha iad a deanamh a mach gur fhiach na theid de charbadan, de dheiseachan, ’s de sheudan luachmhor, sios sràidean Mhoscow an la ud fichead muillein dolair. Bidh Li Hung Chang ann, agus e sgeadaichte ann an éideadh-crùnaidh Iompaire Shina, éideadh nach robh riamh roimhe a mach á Sina fhéin. Bidh àireamh de phrionnsachan ’s de righrean beaga á Asia, iochdrain an t-Sàir fhéin, ann, agus ged a tha’n saoghal cha mhor uile aineolach air an leithidin a bhi idir ann, bidh iad air an éideadh ann an cullaidhean na’s riomhaiche ’s na’s cosgaile na moran de righrean na Roinn-Eòrpa. Cha’n eil uinneag no dorus no mullach taighe dhe’m faighear sealladh air a mhor-chuideachd nach eil air fhastadh aig luchd-amhairc, agus sin air màl cho ard ’s nach eil feum a bhi ’ga ainmeachadh, oir cha chreidear e. Bidh an crunadh air a dheanamh ann an Eaglais a tha anns a Khremlin, seòrsa de dhaighneachd anns am bheil eaglaisean, gearasdanan, agus lùchairtean. Bidh a chathair rioghail air a cur am meadhon na h-eaglais, seachd troighean o’n ùrlar, agus mu dhusan ceum a’ direadh g’a h-ionnsuidh. Bidh buill an teaghlaich rioghail nan seasamh timchioll. Tha aig an t-Sàr ri e-fhéin a’ chrùnadh. Gabhaidh e an coran maiseach á làimh an easbuig agus cuiridh e air a cheann fhéin e. Tha an crùn rioghail air a roinn na dha earainn, a samhlachadh ’na h-àirde near ’s na h-àirde niar de Iompaireachd, air an tàthadh ri chéile le ruby ro-luachmhor, ris am bheil coig daoimeanan air an ceangal ann an cumadh crois. ’S fhiach e muillein dolair. Tha ’n t-Slat rioghail mar an ceudna gle luachmhor, oir tha aon de na daoimeanan a’s mo agus a’s priseile ’s an Roinn-Eorpa innte. An deigh a’ chrùnaidh bidh Moscow air a shoillseachadh fad thri oidhche. Tha ’n soillseachadh so ri bhi air a dheanamh ann an tomhas mor le electricity, a cheud uair a chaidh a chleachdadh riamh aig crùnadh Ruiseanach. Tha so a’ dol a chosg còrr us muillein dolair do’n Riaghladh, agus a bharrachd air a sin, bidh moran cosgais air a dheanamh leis a bhaile ’s le sluagh a’ bhaile a’ soillseachadh an cuid thaighean mar urram do’n Iompaire. Cha bhi na’s lugha na còig cheud mile solus anns a Khremlin leis fhein. An deigh sin bidh bàl rioghail ann, aig am bheil an Sar, ma’s fhior, gu bhi ’cur eòlais air gach aon de iochdarain a thogras tigh’n far am bi e. Bidh aon leth-dusan bàl us cuirm ann an deigh sin, agus air an t-seachdamh no air an ochdamh latha dhe’n Ogmhios, fàgaidh a chàraid rioghail am baile, agus tillidh iad gu St. Petersburg. Thatar a meas nach bi a chuid sin de’n cosgais a phaighear a mach as an Ionmhas Rioghail, ’nuair a bhios gach ni seachad, na’s lugha na muillein air fhichead dolair. DHEANADH IAD IOMLAID.—Bha Gaidheal àraidh air bord a’ bhata-smuid a’ tighinn o Abaireadhan gu Lunnain, agus thachair e air Gall seòlta, geur, air an robh e eòlach. Thuirt an Gaidheal ris, “Failte ort a charaid! carson a tha thusa dol do bhaile mor nan Sasunnach? Am bheil inbhe mhath a’ feitheamh ort an sud?” “Tha” ars an Gall, “tha mi ’dol an sud a chum ’s gu ’m bi mi ann an compàirt le duine aig am beil bùth mhòr.” “Ma ta,” ars an Gàidheal, “feumaidh e bhi gu ’m beil mòran airgid agad.” “Cha ’n eil,” thuirt am fear eile, “Tha pailteas airgid aig an t-Sasunnach a bhitheas na fhear-pàirt agam, ach cha ’n eil agamsa an dràsda ach eòlas math air gach dòigh agus car malairt; co dhiubh fanaidh mi còmhla ris fad choig bliadhna.” “Ciod a thachras an deigh sin?” ars an Gàidheal. “Tachraidh,” fhreagair an Gall, “gu’m bi an t-eòlas aige-san agus gu’m bi an t-airgiod agamsa.” [TD 346] [Vol. 4. No. 44. p. 2] CLANN MHUIRICH. LEIS AN URR. A. M. SINCLAIR. A reir na h-eachdraidhe a tha Clann-Mhuirich a toirt umpa fein bha Gillecatan Mor na thriath ann an Albainn ’sa bhliadhna 1075. ’S ann bhuaithe a thanig Clann-Chatain, agus mar so be an triath aig a chinneadh sin. Bha mac aige do’m b’ ainm Diarmad, bha mac aig Diarmad do ’m b’ ainm Gillecatan, agus bha da mhac aig Gillecatan, Diarmad agus Muireach. Fhuair Diarmad bas gun sliochd is thanig a bhrathair a staigh na aite. B’ e Muireach mar so an coigeamh ceannard aig Clann-Chatain. Bha e na shagairt an Cinn-Ghiubhsaich, agus theirteadh o’n Laidinn am pearsan ris mar a their cuid an diugh o’n Bheurla am parsan. Goirid an deidh dha tighinn gu bhi na cheannard air Cloinn-Chatain leig e dheth a bhi gniomhachadh mar shagairt, agus phos e. Bha coig mic aige, Gillecatan, Eoghann Bàn, Niall Crom, Fearchair Riabhach, agus Daibhidh Dubh. Thanig na Gobhaich bho Niall Crom, Clann-Mhic-Gillebhrath bho Fhearchair Riabhach, agus Clann-Daibhidh bho Dhaibhidh Dubh. Bha Fearchair Riabhach a fuireach ann am braighe glinne air chor-eiginn, agus mar sin theirteadh Gille Bhraighe ris. Tha fios agam gu bheil duin’-uasal measail ann an Liosmor, am Picto, nach creid gun danig Clann-Mhic-Gillebhràth bho Fhearchair Riabhach. Thanig esan codhiu bho Anndra Mor nam madadh-alluidh agus thanig Anndra Mor, no aithrichean, a Muile. Cumadh e ’na chuimhne nach h-’eil mis’ ag radh gun danig na Brathaich bho Fhearchair Riabhach; ’s e seanachaidhean Chloinn-Mhuirich a tha ga radh. Cho fad ’s is fiosrach dhomhsa thanig iad bho dhuine do ’m b’ ainm baistidh Gillebhràth. B’ e Gillecatan, mac Mhuirich, an siathamh ceannard a bh’air Cloinn-Chatain. Bha mac aige ris an abairteadh Dughall Dall. B’ e Dughall Dall an seachdamh clannard aig Cloinn-Chatain. Bha nighean aige do ’m b’ ainm Eubha. Phos Aonghus Mac-an-Toisich, ceann-cinnidh Chloinn-an-Toisich, an nighean so agus fhuair e fearann a h-athar leatha. Tha Clann-an-Toisich ag radh gun d’ fhuair e, chan e a mháin an nighean agus am fearann, ach gun d’ fhuair e cuideachd a bhith na cheannard no na caiptin air Cloinn-Chatain. Tha Clann-Mhuirich ag radh nach h-’eil facal firinn a sin; nach d’ fhuair e a leithid. B’ aithne dhomh duine tapaidh a chaidh a dheanamh reite eadar fear agus bean a bha ’m badaibh a cheile, ach cha d’ fhuair e ach droch thaing. Thionndaidh iad le cheile air, agus b’ fheudar dha ’chasan thoirt as. Mar sin tha e cho ghlic dhomhsa a chuis chonnsachaidh a tha eadar Clann-an-Toisich agus Clann-Mhuirich a sheachnadh. A reir na h-eachdraidhe a tha Clann-an-Toisich a toirt duinn mu ’n deidhinn fein thanig iad bho Dhonnachadh, triath Clann-Duibh. B’e Sèath, mac Dhonnachaidh so a cheud fhear diu. Theirteadh Sèath Mac-an-Tòisich ris. Bha mac aige do’m b’ ainm Seath, bha mac aig Séath do ’m b’ ainm Fearchair, bha mac aig Fearchair do’m b’ ainm Sèath, bha mac aig Sèath do’m b’ ainm Fearchair, is bha mac aig Fearchair do ’m b’ ainm Aonghus. B’ e Aonghus mar sin an siathamh cean-cinnidh aig Cloinn-an-Toisich. Phos e Eubha, nighean Dhughaill Dhaill, agus fhuair e fearann a h-athar leatha. A reir barail cuid de luchd-eachdraidh thanig Clann-an-Toisich bho Gillecatan Mor. Faodaidh iad so a bhith cearr, ach tha mi gu laidir dhe ’n bheachd gu bheil iad ceart. Chan e Toiseach a bha ann an triath Chloinn Duibh, ach Morair. Tha e duilich, uime sin, a thuigsinn carson a theirteadh mac an tòisich r’a mhac. Ach biodh a h-uile duine de ’n bheachd a fhreagaireas dha fein. Tha Clann-Mhuirich gan ainmeachadh fein air Muireach. Feumaidh sinn mar sin Muireach a ghabhail mar a cheud cheann-cinnidh aca. Ged a thanig na Domhnallaich bho Shomairle Mor mac Ghillebride, chan urrainn sinn a radh gun robh Somhairle na cheann-cinnidh air Clann-Domhnaill. Cha robh a leithid de chinneadh is Clann-Domhnaill ann ri latha Shomhairle. Bha mac aig Muireach ris an abairteadh Eoghann Bàn, agus bhon is ann bhuaithe a thanig Clann-Mhuirich faodaidh sinn a ghabhail mar an darna ceann-cinnidh aca. 2. Bha tri mic aig Eoghann Bàn, Coinneach, Iain, agus Gilliosa. Bhuapa so thanig Sliochd Choinnich, Sliochd Iain, agus Sliochd Ghilliosa. 3. B’ e Coinneach, mac Eoghainn Bhàin, an treas ceann-cinnidh. A reir Chloinn-Mhuirich, b’ e Coinneach an t-ochdamh ceannard a bh’ air Cloinn-Chatain. A reir Chloinn-an-Toisich b’ e Aongus, an ceann-cinnidh acasan, an t-ochdamh ceannard. Bha tri mic aig Coinneach, Donnachadh, Lachainn, agus Domhnall. 4. Bha da mhac aig Donnachadh, Domhnall Mor agus Beathan. 5. Bha da mhac aig Domhnall Mor, Domhnall Dall agus Calum Beag. 6. Bha naoi mic aig Domhnall Dall, Domhnall Og, Tomas, Eoghann, Calum, Donnachadh, Beathan Alasdair, Iain, agus Uilleam Og. 7. Bha ceithir mic aig Domhnall Og, Eoghann, Seumas, Pàl, is Uilleam. 8 Bha tri mic aig Eoghann, Anndra, Uilleam, agus Iain, Bha Iain a fuireach ann an Noid. 9. Tha sinn an nis a tighinn gu eachdraidh chinntich. Bha Cluainidh aig Anndra, mac Eoghainn, air mhàl bho Mharcus Hunndaidh ’sa bhliadhna 1591. Tha e air ainmeachadh an 1603 agus a rithisd an 1648. Bha aon mhac aige, Eoghann. Dh’eirich Eoghann le Montros agus lean e ris gu dileas. Phos e nighean do Dhonnchadh Foirbheis an Cuilfhodair, agus bha da mhac aige, Anndra agus Donnachadh. Dh’eug e roimh ’athair. Thanig am bàs air ’athair mu ’n bhliadhna 1660. 10. Chaochail Anndra, mac Eoghainn mhic Anndra, gun sliochd mu’n bhliadhna 1671. Thanig Donnachadh a bhrathair a staigh na aite. 11. Bha Donnachadh pòsda, ach cha robh mac aige. Bha aon nighean aige. Bha i posda ri Gilleasbuig Caimbal. Dh’ fheuch e anns a bhliadhna 1689 ris an oighreachd a thoirt do ’n Chaimbalach. Agus a bharrachd air a sin dh’ fheuch e ris a Chaimbalach a dheanamh na cheannard air Cloinn-Mhuirich. ’S math an gnothach nach robh mic aige. Nam biodh iad cho neo-dhileas d’ an cinneadh ’sa a bha e fein, cha choisneadh iad moran cliu. Faodaidh e a bhith gun robh Gilleasbuig Caimbal na dhuine gasda, agus gum freagradh e gu math mar cheannard air sliochd Dhiarmaid an tuirc, ach cha fhreagradh e mar cheannard air daoine nach robh de ’fhuil. Airson ceann-cinnidh a dheanamh dheth bu ni sin nach [TD 347] [Vol. 4. No. 44. p. 3] gabhadh deanamh. Tha fios gum faod an lagh ainm duin’ atharrachadh, mar a rinn e Amor De Cosmos de dh’ Alasdair Gobha, ach chan urrainn e fuil duin’ atharrachadh. Mun d’ thubhairt an sean fhacal, Cha deanar seabhag de ’n chlamhan. 12. B’ e Iain Mac-Mhuirich, a bha commhuidh ann an Noid, treas mac Eoghainn Chluainidh. Bha ceithir mic aige, Domhnall, Uilleam, Anndra, agus Murchadh. Bha tri mic aig Domhnall, Uilleam, Seumas, agus Iain. Phos Uilleam Iseabal, nighean Lachainn Mhic-an-Toisich an Ceann-an rath-reidh, agus bha ceithir mic aige, Lachainn, Seumas, Anndra, agus Uilleam. An deidh bas Dhonnachaidh thanig Lachainn a staigh na cheann-cinnidh air Cloinn-Mhuirich. Phos e Sine, nighean do Shir Eoghann Lochiall, agus bha seachd mic aige, Eoghann, Iain, Seumas, Ailein, Lachainn, Anndra, is Domhnall. 13. Rugadh Eoghann Chluainidh ’sa bhliadhna 1706. Phos e, an 1742, Seonaid Fhriseal, nighean Mhic-Shinri. Bha e na oifigeach ’san arm Bhreatannach, ach dh’ eirich e le Prionns’ Tearlach. An deidh latha doruinnehch Chuilfhodair bha a bheatha ann an cunnart mor. Bha e ga fhalach fein mu naoi bliadhna. Chaith e a chuid mhoir de ’n uine so ann an uamha faisg air a shean aite-comhnuidh. Bha 5,000 dollar an tairgse do dhuine sam bith a ghlacadh e. Bha corr is ceud duine ann am Baideanach aig an robh fios gu math far an robh e ga fhalach fein, ach cha robh duine nam measg a bha cho suarach ’s gum brathadh e e. Cha robh tlachd aig na Gaidheil riamh ann an airgiod-fala. Chaochail Eoghann san Fhranig an 1755. Bha aon mhac aige, Donnachadh. 14. Rugadh Donnachadh Chluainidh ann an àth sa bhliadhna 1750. Cha robh aite-comhnuidh eile aig a mhathair, oir loisg an duin’-uasal sin, Diuc Uilleam, an taigh aice. Is cha b’ e a cheud duin’-uasal a chuir taigh ri theine. Bha iad a cur air Néro gun do chuir e teine ris an Roimh, ’s gun robh e cluich air an fhiodhuill nuair a bha ’m baile a losgadh. Phos Donnachadh Catriona nighean Eoghainn an Fhasaidh-Fhearna, agus bha ceithir mic aige, Eoghann, Eoghann Camaran, Gilleasbig, agus Iain. Dh’eug e sa bhliadhna 1817. 15. Phos Eoghann nighean do dh’Eanraig Mac-Dhaibhidh. Bha ceithir mic aige, Donnachadh, Eoghann, Seoras, is Albert. Chaochail e an 1885. 16. Bha Donnachadh na oifigeach san Reiseamaid Duibh. Chaochail e gun sliochd an 1886. Thanig Eoghann, a bhrathair, a staigh air Cluainidh na dheidh. 17. Bha Eoghann, tighearna Chluainidh an latha ’n diugh, greis mhoir ’san reiseamaid Chataich. A reir Chloinn-Mhuirich ’s e Eoghann ceannard Chloinn Chatain, agus an treas ceannard air fhichead. Tha e na Choirneall airm, agus ’s e ’s dòcha gun aidich Clann-an-Toisich féin nam biodh Clann Chatain a cogadh mar a bha iad uair dhe’n t-saoghal gun deanadh e ceannard gle mhath dhaibh. Ach an gabhadh iad e mar cheannard? ’S e rud eil’ a tha ’n sin. Bogadh nan Gad. Tha sean-fhocal anns a’ Ghàidhlig. “Tha ’n t-àm a bhi bogadh nan gad,” a tha ciallachadh gur a mithich do neach a bhi a’ fàgail no a’ dol as bho’n chuideachd anns am beil e aig an àm. ’S ann mar so a dh’ èirich an radh sin. Bha boghadair beag ann a bha la de na làithean ’na shuidhe ri taobh a theine féin, ’nuair a thàinig feadhainn a staigh a bha a cur rompa gréim a dheanamh air. Shuidh e féin ’na thosd, ach thòisich a bhean, a bha ’na mnaoi thuigseach, air coiseachd sios us suas feadh an taighe, agus nuair a thuig i gu cinnteach aobhar thighinn nan aoidhean, thug i buille d’a fear an taobh a chinn mar nach robh ann ach am buachaille, agus thubhair i tris. “Tha ’n t-àm a bhi bogadh nan gad.” Chaidh e mach air ball, agus fhuair ise a bhogha agus a chuid shaighdean a chur a mach roimh an uinneig. Cho luath ’sa bha e a muigh, fhuair e àite freagarrach dha fhéin anns an seasadh e agus cha d’ fhuair aon dhe ’naimhdean as; mharbh e gach aonan dhiubh mar a thainig iad a mach aig an dorus. Rinn e na gaid a bhogadh da-rìreadh. Tha an sgeulachd bheag a leanas, air a h-aithris ann an Albainn mu ghnoimh fior shuairc agus fhlathail a rinn Righ Rabairt Brus nuair a bha e ann an Eirinn. Bha feachd Sasunnach ’na aghaidh aig an àm sin, fo churam Sheanalair Edmund Butler. Chog iad ri cheile agus thachair gu’n do chuir na Sasunnaich an ruaig air na h-Albannaich agus gu’n robh an toir geur, dian, ’nan deidh. A nis, bha bean agus i torrach, aig aon de na h-Albannaich, agus anns an othail agus an upraid a bha ann, thuit i gus an làr, le laigse agus sgitheas, agus rugadh an leanaban ri taobh an rathaid. Cha robh bean eile ’na coir gu cuideachadh a thoirt di, agus uime sin bha i air a fàgail ’na laighe direach far an do thuit i. Bha eagal fuathasach air a’ mhnaoi bhochd oir bha fios gu math aice, gu’m b’ abhuist do na Sasunnaich gach Albannach—fear agus bean—a thuiteadh ’nan làmhan a mhortadh. Nuair a ghabh Righ Rabairt seachad chuala e guth na mna bochda agus i a’ caoineadh, dh’ fhoighnich e ciod e aobhar a gearain, agus nuair a thuig e cia mar a bha a’ chuis leatha, thuirt an duine flathail sin, “Ann an ainm Dhé fheara! na di-chuimhnicheamaid gu ’n robh mathair aig gach fear dinn fein; seasamaid cath eile air cho mòr agus a dh’ fhaodas an cunnart a bhi, ach na fàgamaid a’ bhean so gun chomhnadh agus i ’na h-eiginn.” Chord briathran Bhruis ris na h-Albannaich agus thionndaidh iad an aodanan a dh’ ionnsuidh an naimhdean aon uair eile, agus chuir an Righ iad ann an ordugh-cath gu grad. Nuair a thàinig na Sasunnaich am faadharc agus a chunnaic iad gu’n robh iad ’nan seasamh gu dana agus a feitheamh orra, shaoil iad gu’n d’ thàinig tuilleadh de na h-Albannaich gus an cuideachadh agus mar sin chaill iad am misneachd. Cha sheasadh iad blar eile agus b’ urrainn do Bhrus a’ bhean agus an leanaban a chur air falbh gu àite tearuinte. FHUAIR E IAD.—Bha tri fir-turuis a’ siubhal an rathaid gu Cill-mhic-Iain air maduinn bhriagh samhraidh, agus thachair iad air seann duine air an robh feusag fhada, gheal. A nis mar is abhuist do na Sasunnaich, bha iad ’nan gillean tapaidh ’nan inntinn fein, agus shaoil iad gu’n deanadh iad fala-dha dheth agus mar sin thuirt aon diubh ris “Failte oirbh ’athar Abrahaim!’ thuirt an dara fear “Maduinn mhath dhut ’athar Isaaic!” thuirt an treas fear “Failte oirbh ’athar Iacoib!” Ach bha lan eòlas aig an t-seann duine air fir nan bailtean mòra, agus fhreagair e, “Tha sibh ann am mearachd a ghillean! Cha mhi aon chuid Abraham no Isaac no Iacob; ach is mi Saul mac Chis. Chuireadh air falbh mi a dh’ iarraidh asailean m’ athar, agus feuch fhuair mi iad mu dheireadh.” [TD 348] [Vol. 4. No. 44. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, MAIGH 9, 1896. Tha iadsan a tha cur rompa bhi air an taghadh mar luchd-pàrlamaid ’gan cur féin an uidheam air son a’ chath. A réir gach coltais tha e gu bhi ’na chath cruaidh, agus ge b’e taobh aig am bi a bhuaidh, tha aca ri ’cosnadh. Tha Mr. Taillon, priomhair Chuibeic an deigh a dhreuchd a leigeadh uaithe, ’sa dol dh’ an t-stri air taobh nan Conservatives, agus tha Sir Oliver Mowat, priomhair Ontario, a dol a dheanamh an ni ceudna air sgàth nan Liberals. Agus cha’n eil fhios nach lean tuilleadh de phriomhairean ’s de luchd-dreuchd nam mor-roinnean air an lorg. Tha an da phàirtidh a’ tarruinn na’s urrainn iad de na daoine a shaoileas iad a ni cuideachadh leotha ’sa bhios ’nan neart dhaibh. Tha Cuba car mar a bha i o chionn faisg air bliadhna, an cogadh a’ dol air adhart gun fhois, sgeul ùr a tighinn gach seachdain air blàir, ’s air murt, ’s air marbhadh ’s air losgadh, agus gun fhios dé chrioch a thig air na nithean sin uile no cuin a thig i. Agus ged tha na ceannaircich a toirt dùlan do arm na Spàinne ’s gu tric a’ cur an ruaig orra, cha’n eil greim daingeann aca fein air eadhon aon phort na aon bhaile anns an eilean air fad. Tha na fiosan mu dheireadh a thainig á ceann a deas Africa ag innse gur e barail cheannardan an airm Bhreatunnaich annsa chearna sin gu bheil ceannairc mam Matabeleach air a chur fodha. Cha’n eil cùisean a thaobh an Transvaal air an ceartachadh fhathast, ach cha’n eil a ro choltach a nise gu’n éirich cogadh no tuaireap sam bith air a thàilleabh. Chaidh àireamh dhiubh-san a bha le Dr. Jamieson a’ bristeadh a stigh air an Transvaal a ghlacadh le luchd-riaghlaidh na dùthcha sin, agus an toirt gu cùirt. Chaidh ceathrar de na ceannardan a bh’ orra a dhiteadh gu bás, ach thug Cruger, an Riaghladair, am beatha dhaibh, agus gheibh iad as le càin a phàigheadh. Bha fear Langham, a mhuinntir Bhellville, Ontario, còmhla ri Jamieson, agus ’si bhinn a thugadh a mach air gu’m pàigheadh e da mhile pùnnd Sasunnach de chàin, gu’m biodh e air a phriosanachadh fad da bhliadhna, agus an sin air fhògradh as an dùthaich fad thri bliadhn’ eile. Cha’n eil teagamh nach eil an t-aithreachas air a nise nach d’ fhàg e an Transvaal mar a fhuais e i. Tha Dr. Jamieson fhéin ann an Lunnaìnn. Cha’n eil cor nan Armenianach bhochda a’ dol dad na’s fhearr. An deigh na gorta a thugadh orra le geur-leanmhuinn nan Turcach, tha plàigh air bristradh a mach ’nam measg, agus tha na miltean dhiubh a’ bàsachadh. Tha muinntir dhùthchannan eile a deanamh na dh’ fhaodas iad ’g an cuideachadh, ach ’s beag na ’s urrainn daibh a dheanamh. Sean Fhacail. Is ioma fear a chuir garadh mu lios, nach d’thug a thoradh as. Is ioma fear a ghoid caora, nach deachadh leatha air taod do Steòrnabhaigh. Is ioma fear a tha glé mhòr as a shlabhraidh, ged is e maide-crom a bh’ aig a sheanair. Is ioma leannan a th’ aig an aois. Is ioma long cho briste ’thainig gu tìr. Is ioma mìr a thug thu do ’n bhial a mhol thu. Is ioma ni a chailleas fear na h-imrich. Iadsan a Phaigh. Iain Mac ’Illinnein, Amhuinn Dhennis, $2.00 Iain Mac Thearlaich, Gut-a-Deas, St. Ann’s. Iain Mac-a-Phiocair, Catalone. An t-Urr. W A. Mac-a-Phearsain, Ingonish Iain Mac Calamain, Rudha Phrim, E. P. I. Iain Mac Gilleain, Gleann-a-bhaird, N. S. Ant-Urr. Seumas Friseal, St. Andrew’s N.S E. A. Mac Aonghais, Halifax, N. S. Seumas Domhnullach, Boston, Mass. Caitriona Fheargastan, Somerville. Mass. R. I. Mac Eachuinn, Colorado Springs, Colo. NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 349] [Vol. 4. No. 44. p. 5] NAIDHEACHDAN Chaidh an tigh aig Iain Mac Leòid, air Beinn Chàin, faisg air na Narrows Bheaga, a losgadh maduinn na Sabaid s’a chaidh. Tha na paipearan-naigheachd ag innse gu bheil airgead meallta, buinn leth-dolair de chùinneadh Newfoundland air feadh na dùthcha an dràsda. ’S còir do dhaoine bhi air am faiceall rompa. Tha Casket Antigonish ag radh gu bheil 3,675 duine anns an t-siorrachd sin aig a bheil bhòt. Dhiubh sin is Domhnullaich 635: agus is Siosalaich 278. Tha 549 dhiubh air am bheil ainm Frangach. Tha Sir Iain Millais, an dealbhadair ainmeil, tha iad ag ràdh, a bàsachadh leis a chansair, a tha ’na amhaich. Thatar ag radh gu’n do thòisich an euslaint sin air le e bhi tuilleadh us trom air an tombaca. Cha deachaidh a ghlacadh de ròin timchioll air Newfoundland am bliadhna ach da cheud us seachd mile. Tha sin fad air ais air an uiridh, ach cha’n eil e cho fad air ais ’sa bhatar an dùil an toiseach. Chaidh cor us tri cheud gu leth mile ròn a ghlacadh an uiridh. Tha deigh a creic ann an Trinidad ’sna h-Innsean an Iar, air da shent dheug am punnd. Tha teas mor aca ’s tha ’n deigh anabanach gann. Tha deigh gu leòr agus ri sheachnadh a’ snamh mu chladaichean na dùthcha so, agus cha ghabh i creic air pris sam bith. Di-sathairne s’a chaidh thainig triùir ri ’m beatha féin ann am Boston. Leum boirionnach, aois da fhichead bliadhna ’sa tri, bhar bord bàta-smuide, agus bhath i i-féin. Chroch seann duine e fein ann an cearn eile dhe’n bhaile, agus rinn boirionnach òg an ni ceudna ann an ait eìle. Chaidh triùir a losgadh gu bàs ann am Magpie, an Cuibeic, oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, bean, mac, agus nighean fir Louis Mercier. Bha iad ’nan cadal aig an àm. Fhuair Mercier fhéin agus nighean eile dha as le ’m beatha, ach bha iad air an loisgadh gu dona. Thòisich an teine ann am bocsa connaidh a bh’ air cùl an stòbh. Bha moran de shide fhliuch aca ann am Manitoba air an earrach so. Ann an àiteachan bha na miltean acaire de ’n fhearann fo uisge, agus anns na bailtean ’s gann a gheibhte na stràidean a choiseachd leis a pholl. Cumaidh a bhuige so a churachd air ais, agus cha’n eil teagamh mar sin nach bi am barr gle fhad air deireadh air bàrr na bliadhna ’n uiridh. Thainig an soitheach-smùid Harlaw a stigh do’n acarsaid feasgar Di-dònaich, agus thaghail i an Sidni Di-luain. Dh’ fhalbh i ’sa mhaduinn Di-màirt. ’Se so a cheud turus a rinn i air an t-samhradh. Tha i gu bhi ruith air a cuairt àbhaisteach eadar Halifax us Newfoundland, a’ taghal am Baddeck ’s anns an da Shidni ’s an St. Pierre air a falbh ’sair a tighinn. Tha iasgairean Mhalagawatch a’ glacadh mòran sgadain aig an àm so, agus tha iad a faotainn deagh chreic dha. Tha na soithichean a tha ’dol a mach a dh’ iasgach an truisg ga cheannach air son biathadh. Tha iad gu tric a glacadh eadar tri ’sa ceithir de bharailtean ann an aon lion. Chaidh soitheach-iasgaich de’n ainm Harvest Home, a bhristeadh leis an deigh mhoir a mach o chladach Souris, P. E. I., a sheachdain gus an dé. Bha i á Newfoundland, agus bha sia ceud ròn aice air bòrd. Chaidh an sgioba shàbhaladh, ach chaidh gach ni a bh’ aca air bòrd an t-soithich a chall. Chaill fear Robert Caimbeul a chuid an t-saoghal le teine ann an Denver, an Colorado air an t-seachdain s’a chaidh, agus thainig an gnothuch cho trom air inntinn ’s gu’n do chuir e crioch air fhein Dior-daoin. B’ fhiach na bh’ aige ceud mile dolair. Bhuineadh e do aon de na mor-roinnean iseal so. Chaidh fear Iain Pickering a bhàthadh an acarsaid New London, E. P. I., Di-luain ’se ag iasgach ghiomach. Chaidh an báta thairis. Fhuaireadh a thoirt as an uisge beò, ach chaochail e an ceann beagan mhionaidean. Chaidh tigh fir Robert Price, ann an Searletown, a’ losgadh an latha ceudna, agus chaidh a bhean a losgadh gu dona ’san aodann ’s na lamhan. Bha a chuid bu mho dhe na bha ’m broinn an taighe air a losgadh. Dh’ fhaodadh iadsan a tha measail air ceòl na pioba-moire a bhi làn riaraichte leis a cho-sheirm a bh’ ann an Talla na Siorrachd oidhche Shathurna s’a chaidh. Tha Piob. Mhàidsear Manson ’na shàr phiobaire, agus tha sinn duilich nach robh tuilleadh de na Gàidheil ’ga éisdeachd, oir cha’n fhaigh iad cothrom cho math a h-uile latha air inneal-chiùil nam beann a chluinntinn air a gleusadh le laimh cho eòlach. Bha Mr. Manson air éideadh anns an deise Ghàidhealaich. Bha cùirt aig dithis Fhrangach ann a Woodstock, N. B., a sheachdain gus an diugh. Tha fear dhiubh a cur a mach paipear-naigheachd, agus bha ’m fear eile fàgail air gu robh e toirt a chliù dheth anns a phaipear. ’N uair a chaidh na fianuisean uile cheasnachadh ’sa liubhair na fir-lagha an cuid òraidean, ’si bhreth a thug an jury gu ’m pàigheadh fear a phaipear-naigheachd coig sgillinn deug (25c) dh’ an fhear eile air son a chliù, agus gu’n innseadh am breitheamh co aca bu chòir a chosgais a phàigheadh. Chaidh tigh mor cheithir lobhtachan a sheideadh as a chéile ann an Cincinnati, an Ohio, oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha an tigh air a dheanamh air clachan-creadha; bha an t-ùrlar air a chumail mar bhùth, agus bha teaghlaichean a’ fuireach anns a’ chuid eile dheth. Bha moran olla (gasoline) anns a bhùth, agus ’se sin a dhol na theine agus spraidheadh a rinn an tigh a chur as a chéile. Thatar a deanamh a mach gu robh còrr us fichead air am marbhadh, agus a dha no thri uiread sin air an leònadh. Bha moran air an goirteachadh air an t-sràid mu choinneamh an taighe le clachan us maidean a’ tuiteam orra. MAIGH, 1896. 1 Di-haoine. A Bhealltuinn. 2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica, 1494. 3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge 4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m. 5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873 6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776. 7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46. 8 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 7.7. 9 Di-sathairne 10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge. 11 Di-luain 12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar. 13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin,1812 14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh. 15 Di-haoine 16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain. 17 DI-DONAICH. An fheill Chatain. 18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843. 19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411 20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506. 21 Dior-daoin. Ceannairc ’sna h-Innsean,’57 22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad 23 Di-sathairne 24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis. 25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28. 26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar. 27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28. 28 Di-daoin. Comunn Gal’ach Lunnain 1778 29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660 30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596. 31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. [TD 350] [Vol. 4. No. 44. p. 6] TURUS FHINN DO LOCHLANN. La bha Fionn agus a chuid daoin’ anns a’ Bheinn-sheilg mharbh iad dòrlach math fhiadh, agus nuair a bha iad a’ deanamh deas a dhol dhachaidh, chunnaic iad Gille Mòr a tighinn far an robh iad. Chaidh e’n coinneamh Fhinn, agus bheannaich e Fionn gu briosglach, brosglach, briathrach, agus bheannaich Fionn e le comain nam briathran ceudna. Dh’ fheòraich Fionn d’e cia as a thàinig e, no gu de bha e ag iarraidh. Fhreagair e Fionn agus thubhairt e. “Is Gille mi a thàinig o’n ear agus o’n iar a dh’ iarraidh maighstir.” Thubhairt Fionn ris, “Tha gille ’dhith ormsa, agus ma chòrdas sinn, cuiridh mi muinntearas ort. “Gu ’dè e do dhuais aig ceann la us bliadhna?” “Cha mhòr sin,” ars’ an gille. “Cha n’ iarr mi ach gu’n téid thusa, aig ceann an la agus na bliadhna, air chuireadh, air chuilm, agus air chuid oidhche comhladh riumsa gu pailis Righ Lochlainn, agus cha’n fhaod thu cu no duine, laogh no leanabh, arm no eascar a thoirt leat ach thu fhéin.” A chur an sgeòil an giorrad, chuir Fionn muinntearas air a’ ghille, agus bha e ’na sheirbhiseach dìleas gu ceann an la agus na bliadhna. Air madainn an la mu dheireadh d’a ùine, dh’ fheòraich an gille mòr de Fhionn an robh e toilichte le ’sheirbheis. Thubhairt Fionn ris gu’n robh, làn toilichte. “Mata,” thubhairt an gille, “tha mi an làn dochas gu’m faigh mise mo dhuais, agus gu’m falbh thu leam mar gheall thu.” “Gheibh thu do dhuais, ’us theid mise leat,” arsa Fionn. An sin chaidh Fionn far an robh a chuid daoine, agus dh’ innis e dhaibh gu’m b’e sin an la air am feumadh esan falbh a choimhlionadh a gheallaidh do’n ghille, agus nach robh fhios aige cuin a thilleadh e. “Ach,” arsa Fionn, “mur bi mis air m’ ais fo cheann la ’us bliadhna, am fear agaibh nach bi ’geurachadh a chlaidheimh bitheadh e ’lùbadh a ’bhogha airson aon la mòr a bhi agaibh air an Tràigh Mhòir ’an Lochlann a ’dioladh mo bhàis-sa.” ’Nuair a thubhairt e seo r’a chuid daoine, dh’ fhàg e beannachd aca, agus chaidh e staigh d’a bhùth. Bha ’n t-Amadan aige ’na shuidhe taobh an teine, agus thubhairt e ris, “A dhuine bhochd, am beil thu duilich mise ’bhi falbh?” Fhreagair an t-Amadan us e ’caoineadh, agus thubhairt e gu’n robh e duilich e ’bhi falbh anns an dòigh anns an robh e ’falbh, ach gu’n tugadh esan comhairl air na’n gabhadh e i. “Gabhaidh, a dhuine bhochd,” thubhairt Fionn, “oir is minic a bha comhairle an righ ann an ceann an amadain. Ciod i do chomhairle?” “Tha,” “thubhairt an t-Amadan, “gu’n toir tha leat slabhraidh Bhrain ’ad phòca, agus cha chù ’s cha duin’ i, cha laogh ’s cha leanabh i, agus cha’n arm ’us cha ’n eascar dhuit ’s i. Ach bheir thu leat i co dhiu” “Bheir a dhuine bhochd,” thubhairt Fionn, us e ’fàgail beannachd aige ’sa falbh. Fhuair e’n Gille Mòr a feitheamh air aig an dorus. Thubhairt an gille ris ma bha e deas gu’m bitheadh iad a falbh. Thubhairt Fionn gu’n robh e deas, agus dh’iarr e air a’ ghille fhein an céum toisich a ghabhail, a chionn gu’m b’e a b’ eolaich air an t-slighe. Dh’ fhalbh an gille mòr agus lean Fionn e. Ged bha Fionn luath astarach, cha chuireadh e maide ’m pairt a’ ghille mhòir air an rathad. Nuair a bhitheadh an gille mòr a dol as an fhradharc air an aon bhealach, cha bhitheadh Fionn ach a’ tighinn ’am fradharc air an dara bearradh. Agus chum iad anns an t-suidheachadh sin d’a cheile gus an d’ ràinig iad ceann an turuis. Chaidh iad a staigh do phalais Righ Lochlainn, agus shuidh Fionn a sios gu sgith, trom, airsneulach. Ach ’an àite cuilm a’ feitheamh air, bha maithean agus mòr uaislean Righ Lochlainn ’nan suidhe staigh a’ cur an cinn ri ’cheile feuch gu ’dé am bàs tamailteach a bheireadh iad da. Theireadh fear crochaidh sinn e, theireadh fear eile, loisgidh sinn e, theireadh an treas fear, bàthaidh sinn e. Mu dheireadh, dh’ eirich fear a bha ’sa’ chuideachd na sheasamh, agus thubhairt e, nach cuireadh iad gu bás e air aon sam bith de na dòighean a dh’ ainmicheadh le càch. Thionndaidh na daoine a labhair an toiseach ris, agus dh’ fheòraich iad de gu ’dé an dòigh a bh’ aige-san air Fionn a chur gu bàs, a bha ni ’bu tàmailtiche na aon air bith de na dòighean a dh’ ainmich iadsan Fhreagair e iad agus thubhairt e riùtha, “Theid sinn leis, agus cuiridh sinn suas e do’n Ghleann Mhòr, agus cha teid e fad’ air aghaidh an sin an uair a bhitheas e air a chur gu bàs leis a’ chù ghlas. Agus tha fios agaibh-se, agus tha fios agam-sa nach ’eil bàs eil’ air an t-saoghal a’s tamailtiche leis an Fheinn, nan Righ saoghalt’ a thuiteam le madadh coin.” An uair a chual iad breith an duine, bhuail iad am basan agus dh’ aontaich iad leis a’ bhreith. (Ri leantuinn.) Ban-fhaidh Fhrangach. Tha boirionnach òg ann am Paris an drasda a tha cumail a mach gu bheil an t-aingeal Gabriel a bruidhinn rithe. ’S e ’s ainm dhi Couedon, agus tha i fuireach air sraid Pharadis, comhla ri ’h-athair, seann fhear lagha. Tha i tri bliadhna fichead a dh’ aois. O chionn da bhliadhna fhuair a h-athair i mar gu’m b’ eadh ann an laigse na seòmar féin, agus air dhi eiridh dh’ innis i dha gu’n d’ thainig an t-aingeal Gabriel far an robh i, ’s gu’n do dh’ aithn e dhi a bhi i na h-eadar-theangair eadar esan ’s an cinne-daonna. Riamh o’n uair sin tha i a chuid a’s mo dhe’n ùine ’na leth-chadal agus am feadh ’sa tha i mar sin, freagraidh i ceist sam bith a chuirear oirre. Tha i ag radh nach eil tuigse sam bith aice air brigh nam focal a tha a tigh’n as a beul, ach gur h-e ’n t-aingeal Gabriel a tha labhairt. Chaidh na miltean a dh’ amharc oirre o chionn beagan mhiosan air ais, airson i fiosachd a dheanamh dhaibh, ach cha ghabh i pàigheadh no duais sam bith uapa air son a seirbheis. Am measg chaich chaidh àireamh de luchd nam paipearan naigheachd far an robh i, agus tha iad ag radh gu’n do dh’ innis i dhaibh moran a bha fior mu thimchioll a chuid a chaidh seachad dhe’m beatha, ach nach innis i dhaibh ach gle bheag a thaobh na cuid sin a tha rompa. Tha i an còmhnuidh a’ bruidhinn mu chogadh, agus ag radh gu’n deachaidh an Fhraing air seacharan agus gum bi i air a smachdachadh. Tha Breatunn mar an ceudna ri bhi air a h-isleachadh. Tha i a’ fàidheadaireachd gu’m brist cogadh a mach roimh cheann na bliadhna, ach roimhe sin gu’m bi righ-chuairt (revolution) anns an Fhraing a chuireas gnothuichean bun as cionn anns an dùthaich sin. Tha a cuid faidheadaireachd an deigh gluasad mor a chur air feadh an t-sluaigh. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, Ottawa, Ont. [TD 351] [Vol. 4. No. 44. p. 7] Bha duine ann uair aig an robh cnapach beag gille, agus bha toil aige a chur a dh’ ionnsachadh rud-eigin. Se rinn e suas gu’n glaiseadh e ann an rùm e, a’fàgail aige leabhar diadhaireachd, ubhal, agus bonn sia sgillinn. “Nuair a dh’ fhosglas mi ’n dorus,” ars esan ris féin, “chi mi ciod a bhios am ballach a deanamh. Ma bhios e leughadh an leabhair, ni mi pears-eaglais dheth; ma bhios e ag itheadh na h-ubhail, ni mi tuathanach dheth; agus ma bhios aire air an airgead, ni mi bancair dheth.” Ach nuair a rinn e tilleadh, ’s ann a fhuair e ’n gille ’na shuidhe air an leabhar, an t-airgead ’na phòcaid, agus an ubhal gu bhi as an t-sealladh. “Ni sid an gnothuch,” ars an duine, “ni mi fear-lagha dheth; ’se’n aon cheard a fhreagras air.” Bha figheadair ann uair a bhiodh a dol do Ghlascho a chreic a chuid aodaich uair ’sa bhliadhna, agus cha robh uair a rachadh e ann nach gabhadh e daorach bheag mu’n tilleadh e. Aon oidhche fhuaireadh e air an t-slighe dhachaidh, a’ leigeal analach ri taobh an rathaid, agus a bruidhinn ris fein. “Ah”, ars esan ’s e ’g amharc os a chionn, “tha da ghealach anns an speur an nochd a rithist. ’Se fior dhroch comharradh a tha ’n sin; a h-uile uair a chi mi da ghealach anns an speur, bi’dh ceann gairt agam an la’r-na-mhaireach. Bha tuathanach beag ann an Obaraidhean a bha annabarrach spiocach. Bha a bhean ’na boirionach breòite tinn, agus gu tric air an leabaidh, ach bha esan cho cruaidh ’s nach dùirigeadh e uiread us solus a bhi aice ri taobh na leapa. Aon oidhche ’s i na bu tinne na b’ àbhaist, thòisich i ri gearan. “O”, ars ise, “nach eil so bochd, ’nuair nach urrain domh solus a bhi agam leis am faic mi mi-fein a bàsachadh!” Leum a fear air a chois ’s las e coinneal, ’s air dha a cur ri taobh na leapa, thuirt e gu cas, crosda, “So, feùch am bàsaich thu nise!” “Uilleam” arsa mhàthair, “gu de dh’ fhsg do chuid aodaich cho fliuch? An robh thu anns an uisge? “Bha”, ars Uilleam gu treun, “chaidh mi dh’ an loch a shàbhaladh Thearlaich.” “Mo ghille, treun,” arsa mhàthair, ’n e leum a stigh ’na dheigh a rinn thu?” “Cha’n e,” ars Uilleam, “’sann a leum mi a stigh air thoiseach air; bha mi air son a bhi roimhe.” MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 352] [Vol. 4. No. 44. p. 8] BIDH SEUMAS LEAM AN NOCHD. LE NIALL MAC LEOID. Rinneadh na rainn so air sgeula brònach mu mhaighdinn òig Ghàidhealaich aig an robh ainm a bhi air leth maiseach. Bha i fhéin agus gille òg tlachdmhor, air an robh gaol mòr aice, a’ dol a phòsadh. Ach dlùth air latha ’phòsaidh, thàinig fios air-san dol thairis a dh’ America, a dh’ fhaotainn beairteis mhòir a dh’ fhàg caraid aige. Dh’ fhalbh e gu sunntach, ann an rùn gu ’m pòsadh iad cho luath ’s a thilleadh e air ais. Ach ’s e sin nì nach do thachair! An long air an robh e ’tilleadh chaidh i fodha agus gach neach a bha innte a bhàthadh! ’N uair a fhuair ise an naigheachd so chaidh i ceàrr ’n a h-inntinn, agus cha d’ thàinig a ciall riamh air ais! Bhàsaich i beagan ùine an dèigh sin; agus gach aon fheasgar fhad ’s a bha i beò chuireadh i oirre an t-éideadh ’bu riomhaiche ’bha aice; ruigeadh i ’n cladach, agus shuidheadh i air an tràigh, a’ feitheamh ri Seumas. An oidhch’ a bhàsaich i b’ éiginn d’ a càirdean a h-aodach a chur oirre mar a b’ àbhaist agus theireadh i ’an ceann gach tiota, “thig e ’nochd! bidh Seumas leam an nochd!” Thoir dhomh mo chìr, thoir dhomh mo ghùn. Thoir dhomh mo thrusgan bòidheach ùr— ’S mi ’faicinn long air bhàrr nan tonn ’S i ’stiùireadh direach air an fhonn. Bidh mis’ a’ feitheamh air an tràigh Gu ’n tig mo ghaol air tir le càch; Cha ghabh mi biadh, ’s cha dùin mo shùil Gu’m faigh mi sealladh air mo rùn: ’S bidh Seumas leam an nochd! C’ arson, a thonnan beucach borb, ’Tha sibh a’ leum cho àrd le coig Ag cumail bacaidh air mo ghràdh? ’S mi fuar ’g a fheitheamh air an tràigh! Tha fuaim bhur guth cho tiamhaidh trom, A’ dùsgadh mulaid na mo chom— Eagal gu ’n caill an long a h-iùl, Lasaidh mi solus air an Dùn, ’S bidh Seumas leam an nochd! Thig, thus’, a ghaoth an iar, gu tlàth— Do chaileig bhochd nach nochd thu bàigh? C’ arson a shéideas tu cho cruaidh, ’S tu ’cumail Sheumais fada uam? Tha eòin nan speur air dol gu tàmh— Cha ’n fhaic mi long ’s cha chluinn mi ràmh, ’Us chaill mi sealladh air na siùil; Ach ged a chaill, cha toir mi dùil: ’S bidh Seumas leam an nochd! Eirich, a ghealach, ’s tog do cheann, Na laidh cho fad’ air chùl nam beann; ’Us sibhs’, a reultan glan gun smùr, Bu tric a rinn do ’n mharaich iùl, Na tigeadh ceò no neul ’n ’ur còir A chuireas falach air bhur glòir Gu ’n tig an long ’s am bheil mo rùn. ’S am faigh iad sealladh air an tùr: ’S bidh Seumas leam an nochd! Thus’, ’fhaoileag bhàn, a shnàmh an cuan, Am fac’ thu sealladh air mo luaidh? Dh’ aithnichinn fhéin e ’measg nan ceud, An t-òigfhear treun ’bu ghlaine beus; Tha ’chruth ’s a bhlàth cho beò na m’ uchd, Dh’ fhàg sin mo chridhe trom fodh luchd— Ar leam gu ’n cluinn mi ’ghuth cho ciùin, ’Toirt cuiridh dhomh dol leis an null, ’S bidh Seumas leam an nochd! Thoir dhomh mo chìr, thoir dhomh mo ghùn, Thoir dhomh mo thrusgan bòidheach ùr, Feumaidh mi falbh an nochd car tràth, ’S e thall ga m’ fheitheamh air an tràigh, ’S mi ’faicinn lùchairt mhaiseach ghrinn, Air ’ullachadh dha fhéin ’s dhomh fhìn— Tha ceò a’ tuiteam air mo shùil, Ach tha mi ’cluinntinn fuaim a’ chiùil— ’S bidh Seumas leam an nochd! Saoibhreas Daor. Tha seòrsa saoibhreis ann a tha daor, anabarrach daor, a dh’ aindeoin am meud—’se sin an saoibhreas a gheobhair an éiric gach ni a tha mar sholus na beatha dhuinn. Cha chòir do neach sam bith a’ cheud àite a thoirt do shaoibhreas, mar a tha ’n sgeul a leanas a mochdadh. “Bha foghlumaiche bochd anns an Roimh uair, a bha gle thapaidh, agus d’ an robh ’n dàn, a reir gach coltais, moran math a dheanamh anns an t-saoghal. Air latha àraidh chunnaic e dealbh-snaighte air an robh sgriobhaidhean neònach. Chaidh aig air na sgriobhaidhean sin a leughadh, agus bha iad ag iarraidh air beachd a ghabhail air faileas na h-iomhaigh, agus mar sin chaidh a threòrachadh a stigh gu talla mhor a bha air a lionadh le saoibhreas, airgead, or agus seudan luachmhor. Chruinnich e moran dhiubh cuideachd, agus e aig a’ cheart àm ag innse dha féin gach ni mor agus math a dheanadh e leis an t-saoibhreas a bha mar so air a chur fo’ laimh. Chuireadh e suas caisteal riomhach dha féin, agus ciod eile nach deanadh e. Ach ’nuair a bha e tionndadh gu dhol a mach, chunnaic e aig a chasan clach mhòr uaine, agus chrom e gus a togail, oir b’ fhiach i pris rioghachd. Ach bha a chlach gu math teann anns an talamh, agus am feadh ’sa bha esan a’ feuchainn ri ’fuasgladh, chunnaic e ridire fo ’làn armachd, a bha ’na sheasamh faisg air, a togail a bhogha agus a tarruinn an t-saigheid. Bhuail an saighead an seud mòr a bha soillseachadh an talla, agus ann am priobadh bha tiugh dhorchadas ann. Dh’ fheuch am foghlumaiche ri faighinn dh’ ionnsuidh an doruis air an d’ fhuair e stigh, ach leis an dorchadas cha b’urrainn da amas air, agus bhàsaich e gu truagh ri taobh an t-saoibhreis a chuir e cruinn.” Nach bu daor a cheannaich e saoibheas, agus nach eil moran ann air an latha ’n diugh a tha ’ga cheannach a cheart cho daor. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 353] [Vol. 4. No. 45. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 16, 1896. No. 45. Fionnghal Nic Dhomhnuill. (Flora Mac Donald.) Tha baile Inbhirnis a dol a chur suas càrn-chuimhne do’n mhnaoi-uasail threun so, a ghleidh a bheatha do Phrionnsa Tearlach. ’Se tha gu bhi ann dealbh Fionnghal fhéin air cloich no air miotailt. Ach tha aon choire air an dealbh a thagh luchd-riaghlaidh a’ bhaile agus ’se sin gu bheil i air a casan rùisgte. Tha e gle mhi-choltach gu’m biodh nighean òg de theaghlach uasal mar a bha Fionghall air a casan rùisgte. Fhuair Prionnsa Tearlach as le bhi air a chòmhdach mar nighinn Eireannach de’n ainm Betty Burke, mar shearbhanta to Fhionnghal. Tha e air a chur sios ann an eachdraidh gu robh brògan Betty, ’nuair a bha iad a’ fògail Chinnseborg, ’san Eilean Sgiathanach, air fás cho dona ’s gu’n d’ thug Sir Alasdair Domhnullach paidhir ùr dh’i. Bha so gle fhaisg air crioch an turuis, agus ma bha stocainnean us brògan aig an t-searbhanta, tha e car neònach a bhi tarruinn dealbh a bana-mhaighstir gun cuid seach cuid a bhi air a casan. Ged a tha Fionnghal am bitheanta a’ faotinn a chliù uile air son beatha prionnsa ghleidhead dha, cha’n fhaodar a dhi-chuimhneachadh nach biodh e comasach dha teicheadh air chor sam bith mar biodh a h-oide, Caiptean Domhnullach, Arnadail. Bha esan ’na cheannard air buidheann shaighdearan a bha air an cur a dh’ Uidhist a chinn a deas air son am Prionnsa ghlacadh, ach le impidh a bhi air a chur air le ’bhean-chinnidh, Baintighearna Mairearad Dhomhnullach, dh’ aontaich e cead a thoirt d’a dhalta Fionnghal falbh leis a Phrionnsa feuch am b’urrainn di a thoirt as a’ chunnart anns an robh e. Thug e cead-siubhail sgriobhte do Fhionnghal, d’a searbhanta Betty Burke, agus do fhear Niall Mac Eachuinn; agus gus a chùis a dheanamh cinnteach rinn e mach gur ann a bha Fionnghal a’ dol dhachaidh gu a màthair, agus thug e litir dhi air chor ’s na’n rachadh a glacadh leis na saighdearan air an t-slighe gu’m biodh iad air an cur as am faireachadh. Bha an litir mar a leanas:—“Tha mi ’cur do nighinn dhachaidh ugad, oir tha fhios agam gu’m bi eagal oirre a thaobh na saighdearan a bhi ’san dùthaich so. Tha nighean còmhla rithe de’n ainm Betty Burke, ban Eireannach, agus tha i ag innse dhomh gu bheil i gle mhath air sniomh; ma chòrdas a h-obair riut, faodaidh tu a cumail gus an cuir i crioch air an lion dhuit. Tha Niall Mac Eachuinn a’ falbh cuide riutha gus an aire thoirt dhaibh.” Am Freasdal. Cha’n’eil latha de’n bliadhna anns nach ’eil làmh an Tighearna ’g oibreachadh mar is àill leis-san a chum math. Chi sinn a chumhachd gach uair a dh’ amhairceas sinn a mach air an dorus, agus gach uair a bheir sinn ceum air a mhachair. ’S math tha fhios againn gur i làmhsan a tha ’deanamh gach ni, a réir mar a ta a ghliocas ag òrduchadh. Tha so a’ tighinn a stigh oirnn gu soilleir aig an tràth so de ’n bhliadhna, am feadh ’s a ta an talamh mar gu ’m b’ ann a’ dùsgadh, agus a’ fàs beò o na mairbh. Bha ’n Geamhradh glé chruaidh neart de ’n uair,—bha na speuran dorcha, agus an latha goirid. Cha robh tairbhe ’s an talamh, oir bha e glaiste leis an reothadh, mar gu’m b’ ann le geimhlean iaruinn. ’S ciatach a bhith a’ faicinn gu ’n tainig àm fuasglaidh. Tha ’n latha a’ sìneadh, ’s na speuran a’ fàs soilleir, gorm, ’s tha fhios againn gu ’n tig cinneas air an fhearann a rìs, mar a b’ àbhaist anns na bliadhnachan roimhe so. Thugaibh an aire gur e freasdal a Chruithfhir a ta a’ deanamh so uile. Ciod a b’ urrainn dhuinne a dheanamh air ar son féin? Tha fhios agam glé mhath gu bheil an cinne-daoine làn innleachdan. Théid againn air longan mòra chur air sàile, agus siubhal thar a chuain a dh’ iarraidh bathair ás gach tir fo ’n ghréin. Is urrainn dhuinn rathad a dheanamh a dh’ iarunn, agus cudthrom mòr a shlaodadh o cheann gu ceann de’n rìoghachd, le innealan a ta air an oibreachadh le teine ’s le uisge. Ach c’ àite bheil am fear a bheir air aon fheoirnein feòir cinntinn, ach mar is àill leis an Tighearna? Cha ’n ’eil a leithid ann. Feudaidh sinn an talamh a thionndadh, agus an sìol a chur, ach is e an t-Uile-chumhachdach a bheir air cinntinn. Ge mòr an obair a ni sinn, cha mhò is urrainn dhuinn le ar gliocas féin, aon dias arbhair a dheanamh, na ’s urrainn dhuinn reult ùr a chruthachadh anns na speuran, no stad a chur fad uair an uaireadair ann an cuairt na gréine. Beachdaicheamaid air so, agus cha ’n urrainn dhuinn gun fhaicinn gur ann le freasdal an Ti a’s àirde tha sinn a’ tighinn beò gach latha. Tha sinn ag oibreachadh an fhearainn a nis, do bhrìgh ’s gur e so an t-àm iomchuidh air a shon. Tha ’n t-earrach againn, ’s tha e ceart gu ’n gnàthaich sinn na meadhonan air son lòn a thional ’s an fhogharadh. Ach biodh ar n-earbsa ’s an Tighearna, oir is esan a mhàin a bheir air ar saothair tighinn gu buannachd. Tha a ghealladh-san againn agus tha sinn a’ cur earbsa ann. Bheir Esan air an fheur fàs do ’n spréidh, rud nach urrainn dhuinn a dheanamh le uile neart ar làmh, ’s le uile ghliocas ar cinn. Chi mi an treabhaiche ’dol a mach le ’chuid each air son a bhith an greim. Cha ’n fheud e maile a dheanamh tuille, oir am fear nach cuir ’s an Earrach, cha bhuain e ’s an Fhogharadh. ’S ciatach leam fàile na h-ùire, ’s i air a tionndadh leis a’ chrann. ’S comharadh e gu bheil beatha a’ tighinn as ùr do ’n t-saoghal. Faic mar a ta eunlaith nan speur a’ tional as gach cearn, ’s iad a’ leantuinn nan seisreach. “Amhaircibh air eunlaith an athair: oir cha chuir iad sì[?] agus cha bhuain iad, agus cha choinnich iad ann an saifhlean, gidheadh tha bhur n-Athair néamhaidh-s[?] beathachadh. Nach fearr si[?] mòr na iadsan?” [TD 354] [Vol. 4. No. 45. p. 2] AM NA GORTA. Cha ’n eil fhios aig earann mhòr de shluagh an t-saoghail cia mar a tha mòran eile de ’n co-chreutairean a’ tighinn beò. Tha so fìor ’nar latha-ne, ged a tha daoine ro eòlach air a cheile, ann an coimeas ri mar a bha iad o shean. Tha mòran a’ gearain air bochdainn an crannchuir, ged nach ’eil a bheag a dh’ aobhar gearain aca an coimeas ris na daoine a bh’ ann ri ar ceud chuimhne. Bha Gaidhealtachd na h-Alba, gus an do thòisich na bàtaichean-smùide ri seòladh mu ’n cuairt nan Eileanan Gaidhealach, ann an tomhas mòr air a fàgail a leith-oir; agus an uair a bhiodh ni sam bith gann a bhiodh feumail do dhaoine, cha robh aca ach cur suas le cùisean mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad. Is iomadh uair a thachair bliadhna ghann, ghortach ri daoine bochda ’san àm a dh’ fhalbh. Tha cuimhne aig gu leòr de na tha ’n diugh beò air bliadhnachan a bha anabarrach cruaidh air iomadh teaghlach bochd anns a’ Ghaidhealtachd. Cha dean sinn mearachd sam bith an uair a their sinn gu robh na miltean air thuar a dhol bàs le cion a’ bhìdh. Bha am biadh gann, agus ged a thachradh beagan stuic a bith aig duine bochd, cha’n fhaigheadh e neach a bheireadh aon chuid airgiod mo biadh dha air son a’ bheathaich a b’ fhearr a bhiodh aige. Is ann o’ n a ghais am buntata a thachair na nithean air am bheil sinn ag iomradh. O nach robh biadh ri ’fhaotainn air son airgid, no air son luach, dh’ fheumadh daoine bochda gach oidhirp a b’ urrainn daibh a thoirt air iad fhein a chumail beò. Mar bu trice bha am biadh a’ fàs gann anns an earrach. Is minic a b’ eiginn do iomadh duine bochd an sìol a bha e ’n dùil a chur anns an talamh a bh’ aige air a threabhadh, a chruadhachadh anns a’ phoit air feasgar Disathuirne, agus a bhleith air a’ bhrathainn a chum e fhein agus a theaghlach a chumail beò gu Diluain. B’ fhearr le mòran so a dheanamh na dhol a dh’ iarraidh ’s a bhleid bìdh air a’ mhuinntir aig an robh am pailteas. A’ chuid de ’n t-sluagh bhochd a bha dlùth air a’ chladach rachadh iad do ’n tràigh far am faigheadh iad faochagan is bàirnich is partain is duileasg is slòcan. Ged a b’ e ’bhochdain a thug orra so a dheanamh, bha e chum math mór do ’n slàinte a bhith ’tighinn beò car ùine air na gheibheadh iad anns an tràigh. Is minic a bha an éis agus an eiginn ’n am meadhon air mòran math a dheanamh do iomadh neach. Bhiodh clann bheag, a’ cruinneachadh nam brisgein air feadh an treabhaidh, agus ’gan itheadh an deigh an ròstadh anns an teine. Bhiodh fir mhòra, làidir a’ falbh gu lochannan feuch am faigheadh iad bric, an uair a bhiodh e ni b’ fheumaile dhaibh gu mòr, nam faodadh iad e, a bhith ’treabhadh agus a’ ruamhar. Mar a tha am facal ag ràdh, “Cha ghabh a’ bhrù an urra ris an righ.” Ciod sam bith mar a bhiodh obair eile dh’ fheumtadh an t-acras a chumail air falbh air a h-uile cor. B’ aithne dhuinn teaghlaichean a bhiodh gle thoilichte nam faigheadh iad aon bhiadh ’san latha. A’ mhaduinn nach biodh dùil aca ri greim a chuireadh bhar na ciallaidh iad, dh’ fhanadh iad anns an leabaidh gu déigh mheadhon-latha. Nach bu mhuladach suidheachadh na màthair aig am biodh clann bheag, lag, a dh’ iarradh ’s a ghabhadh am biadh, agus gun aon ghràine mine an taobh a staigh de ’n dorus aice! Bha iomadh mathair ’s an t-suidheachadh bhochd so ’san àm a dh’ fhalbh. Is minic a chuala sinn an tàladh a bh’ aig màthair dhe ’n t-seòrsa so air a sheinn, agus gu cinnteach is cruaidh an cridhe air nach tigeadh tioma ri bhith ’g a éisdeachd. Bheir na facail a th’ air chuimhne againn beachd seachad air suidheachadh truagh an teaghlaich ud, agus iomadh teaghlaich eile:— “Caidil a leanabain, Cha’n ’eil min agamsa, Caidil a leanabain, ’M poca no ’m balgan; Caidil a leanabain, Cha ’n ’eil min agamsa. Tàing do ’n Ti a tha riaghladh nan uile nithean gu ro mhath, chaidh an t-àm gortach ud seachad. Ged a tha mòran a’ gearain air a’ bhiadh ’s air an aodach ’s air na taighean a th’ aca, tha iad mòran ni ’s fhearr dheth air a h-uile dòigh na bha daoine da fhichead bliadhna roimh ’n diugh. ’S an àm ud dh’ fhaodadh earann de shluagh na rìoghachd a bhith ’n impis bàs fhaotainn leis a’ ghorta mu ’n cluinnte ann an earann eile gu robh éis sam bith orra. Cha robh a’ bheag sam bith de shuim aig muinntir nam paipeirean-naigheschd ’ga ghabhail de chor an t-sluaigh anns a’ Ghaidhealtachd. Cha robh na paipeirean-naigheachd fhein ri ’m faicinn ann an taigh ’s a’ Ghaidhealtachd, ach ann an taigh duine chothromaich. Agus cha bu tric le duine sam bith a’ bheag de naigheachdan a chur a dh’ ionnsuidh nam paipeirean-naigheachd ’sam àm ud. Cha ’n ionnan ’s mar a tha chùis an duigh. Cha ’n ’eil ni a thachras eadar da cheann na dùthchadh nach bi air a chur anns na paipeirean, air a’ chuid a ’s fhaide, an taobh a staigh de cheann na seachduin. Tha suim ’ga ghabhail de ’n duine bhochd. Tha ’n dùthaich mòran ni ’s saoibhire nis na bha i da fhichead bliadhna roimh ’n diugh. Agus ged nach urrainn sinn a ràdh gu bheil daoine ni ’s truacanta ’san àm so na bha iad anns an àm a dh’ fhalbh, feumaidh sinn aideachadh gu bheilear a’ gabhail barrachd sùim de shuidheachadh an duine bhochd ’san àm so na bhatar a’ gabhail ’san àm a dh’ fhalbh. Mur ’eil pailteas bìdh anns na h-àiteachan a tha iomallach, tha pailteas ann an àiteachan eile; agus ann an ùine ro ghoirid gheibh gach neach na nithean a bhios a dhith air a nasgaidh, no air son pàighidh. Ann an iomadh seadh tha suidheachadh dhaoine mòran ni ’s fhearr na bha e ri ar ceud-chuimhne. Nis, ged a tha an sluagh an cumantas mòran ni ’s comhfhurtaile anns gach dòigh na bha an sluagh anns na bliadhnachan a dh’ fhalbh, tha aobhar eagail nach ’eil iad idir cho taingeil ’s bu chòir dhaibh a bhith. Tha e gu tric a’ tachairt nach iad a mhuinntir is mò aig am bheil de shochairean is mò a tha nochdadh de spiorad na tàingealachd. Is e am bochd is taingeile na ’m beairteach. Ach bu chòir do ’n bheairteach a bhith ni bu tàingeile na ’m bochd. An uair a tha am pailteas de gach ni feumail aig daoine tha iad anabarrach buailteach air a bith ’dì chuimhneachadh gur ann o’n Tighearna tha ’m pailteas a’ tighinn. An uair a tha sinn air ar cuartachadh le mòran de shochairean aimsireil agus spioradail bu choir dhuinn, araon a bhith tàingeil do Dhia air an son, agus mar an ceudna feum math a dheanamh dhiubh. Iadsan uile a fhuair mòran iarrar mòran orra. IAIN. [TD 355] [Vol. 4. No. 45. p. 3] IAIN MAC CODRUM. Bha Iain Mac Codrum ’na dhuine a bha neo-chumanta deagh-fhaclach, geur-chainnteach a bharr air a bhith ’na bhard comharraichte. Tha mi creidsinn gu’m bheil moran de a bhearradaireachd air chuimhne ann an Uibhist-mu-thuath—duthaich a bhreith is araich. Bha locha air taobh an iar Uibhist-mu-thuath ris an cainte Loch-Thasduinn, agus thug am Bailidh fa near gu ’m bu choir a leigeadh a chum ’s gu ’m biodh am fearann maith a bha mu ’n cuairt dha air a thioramachadh. Air la araidh thugadh gairm do mhuinntir nam bailtean mu ’n cuairt gu dhol ga leigeadh. Anns an am a bha ’n sin bha “cairdeas is comunn is gaol” is co-oibreachadh am measg nan Gaidheal, agus thainig gach fear le a spaid air a ghualainn. ’S cha robh iad fada traghadh an locha. Ach fada no goirid ga robh iad ris bha iad gu bhith ullamh dheth mu ’n d’ thainig Iain Mac Codrum. Bha e, mar an ceudna, na chleachdadh an Uibhist ’s an am a bha ’n so ’nuair a bhiodh fir a’ bhaile cothladh ri garadh no ri traghadh locha gu ’m biodh beagan òil aca ’nuair a rachad crioch air obair an latha. ’Nis ’nuair a bha Loch Thasduinn air a leigeadh shuidh na fir gu leir air blianaig bhoidhich, chomhnaird, ghlais a leigeadh an sgios agus a dh’ol an drama. Chuireadh Iain air cheann na cuideachd agus thug am fear a bha riarachadh an drama dha a cheud ghloine ’s thubhairt e, “So a nis Iain, gloine de bhurn Loch-Thasduinn, ’s feumaidh tu rann a dheanamh o bha thu cho fada gun tighinn.” Rug Iaìn air a’ ghloine agus dh’ fheuch e gu grinn an stuth a bh’ innte, agus thubhairt e:— Gu’m beannaicheadh Dia burn Loch-Thasduinn, Ma ’s math aileadh ’s fhearr a bhlas; Ma bha e mar so gu leir Bu mhor am beud a leigeadh as! Bha e fhein ’s feadhainn eile a’ dol a Glasachu le bata beag agus thachair dhaibh a bhith ri port an aiteiginn am Muile. Thainig aon de na Muilich thun a’ bhata ’s dh’ fhaighnich e dh’ Iain co b’ airde ’sa’ bhata, ’s fhreagair Iain gu ’n robh an crann. “’S e tha mi ciallachadh,” ars’ am Muileach, “Co ’s fear-riaghlaidh air a’ bhata? “Tha an stiuir,” ars’ Iain. “Co as,” ars’ am Muileach,” “a thug sibh an t-iomradh?” “As ar gairdeinibh” ars’ Iain. “’Se tha mi ciallachadh,” ars’ am Muileach, “an ann o thuath a thainig sibh?” “Pairt o thuath ’s pairt o thighearnan,” ars’ Iain. Cha robh aig a’ Mhuileach ach falbh ni bu mhiosa na thainig e. AN CAT FIADHAICH. Tha ’n Cat Fiadhaich ri fhaotainn ann an dùthchannan ’sa bheil coilltean agus beanntanan. Tha e tigh’n beò air eòin, maighich, rodain, agus luchainn agus bidh e gu tric a deanamh sgrios mor am measg chearc us uan. Tha e moran na’s motha na’n cat cumanta. Rugadh air feadhainn ann an America a thomhais eadar an t-sron us bàrr an earbaill còrr us coig troighean. Tha ’fhionntach bog agus min, air dath buidhe ghlas; tha earball fada, garbh; agus is e aon de na beothaichean a’s gairge ’s a’s millteach de na beothaichean-fiadhaich air fad. Tha fear a bha ’siubhal ann an te de na Staitean an Iar ag innse na sgeul a leanas mu aon a thachair ris fhein:— “Bha mi a falbh le each us carbad air rathad còmhnard aon latha teth anns an Og-mhios. Mu dheich slatan romham chunnaic mi cat fiadhaich agus tri piseagan a’ tigh’n as a choille, a’ dol thairis air an rathad ’sa’ dol dh’ an choille air an taobh eile. Bha mi ag radh rium fhin gu’m bu laghach am peata a dheanadh te de na piseagan, agus ag guidhe gu robh te dhiubh agam. ’Nuair a rainig mi an t-àite ’san robh iad bha aon de na piseagan aig beul na coille beagan throighean uam, agus air leam gu’n cuala mi an seann chat a’ gluasad gu fàillidh a stigh ’sa choille. Thug mi leum as a’ charbad, rug mi air a phiseig, thilg mi dh’ an charbad i, ’s dh’ falbh mi. ’N uair a rug mi oirre thoisich i air miagail ’s air sgriachail, agus lean i air, agus ’nuair a bha mise toirt ordugh dh’ an each falbh chuala mi dranndan uamhasach agus starbraich anns a’ choille. Bha fhios agam gu robh an seann chat a’ tighinn, agus an ath mhionaid bha i air meadhon an rathaid mhòir. Bha suilean ’nan teine, an fhionntach na seasamh air a duim, agus drein uamhasach oirre. Chunnaic i mise greasad air falbh agus thug i leum as mo dheigh, agus bha i tigh’n suas rium cho luath ’s gun robh mi cinnteach gu’m beireadh i orm, agus leis an eagal a bh’ ageam roimpe, thilg mi a’ phiseag a mach agus chuip mi an t-each, a bha cheana deanamh a dhichill, agus dh’ fhalbh e cho luath ’sa ghabhadh deanamh. Stad an seann chat car tiotaidh a dh’ fhaicinn gu robh a phiseag sàbhailte, agus an sin thog i rithe as mo dheigh mar nach biodh i toilichte gun dochann orm. N uair a chunna mi i air mo chulaobh, ’s gann gu robh mi tarruinn m’ analach leis an eagal. Ach mu dheireadh thug sgriachail na piseig oirre stad, agus thill i. ’N uair a leig an t-eagal leam sealltuinn afr ais, bha i ’na seasamh air an rathad, a phiseag aice na beul, agus i ’sealltuinn ’na m’ dheigh mar gu ’m biodh i eadar dha chomhairle co-dhiu bheireadh i roid eil’ as mo dheigh no nach toireadh. Ghreas mi an t-each air adhart, ach cha robh mi ’gam fhaireachadh fhéin tearuinte gus an robh mi àireamh mhiltean air falbh. Rinn mi suas m’ inntinn nach cuirinn dragh air piseagan cait fhiadhaich am feasda tuilleadh, agus gu’n toirinn an aire air mo ghnothuch fhéin.” Ann an ceann an Iar Astralia, cha ’n eil ach da fhichead sa coig de bhoirionnaich mu choinneamh gach ceud firionnach. Sin àite anns am biodh e doirbh dhuine bean fhaotainn. Nach minic a chunnaic sinn fear a’ dol bhar a chas an àm dha bhith ruith timchioll an oisinn? Air a cheart dhòigh is minic a thachair gu ’n do thuit duine ’s an àm ’s an d’ thainig atharrachadh air a chrannchur. Nach minic a chuala sinn gu ’n do thòisich muinntir ris an òl an uair a thàinig trioblaid agus bròn do’n teaghlaichean. Cha chòir dìmeas a bhith air duine air son a làmhan a bhith cruaidh, dubh le obair. Ach is còir dimeas a bhith air na seotairean aig am bheil na làmhan mìne, geala, am feadh a tha iad a’ tighinn beo air saothair na muinntir aig am bheil na làmhan cruaidhe, dubha. Mar is trice is e am fear a’s eutruime sporran is lugha aig am bheil de chùram de chuid airgid. Mar is trice is e am fear a th’ ann an daorsa a ’s fhearr gu cumail a mach gu bheil e sealbhachadh mòr-shaorsa. [TD 356] [Vol. 4. No. 45. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, MAIGH 16, 1896. Tha MAC-TALLA nise dlùthachadh air ceann na ceathramh bliadhna de ’aois. Tha romhainn aig toiseach na còigeamh bliadhna, toiseach Iulaidh s’a tighinn, am paipear a mheudachadh, agus tha sinn an dòchas gu’n dean gach aon de ’r leughadairean gach cuideachadh is urrainn daibh a dheanamh leinn. Tha moran dhiubhsan a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh litrichean, naigheachdan, sgeulachdan, us nithean taitneach eil’ ugainn, an dràsda gabhail a’ ghnothuich air an socair; cha’n eil sinn a cluinntinn bho chuid dhiubh ach gle ainneamh, ach tha fhios againn gu bheil an dùrachd dhuinn cho math ’sa bhai riamh, agus tha sinn a’ creidsinn gu’m bi ar leughadairean a’ cluinntinn uapa gu riaghailteach air an t-samhradh so. Bi’dh sin na chuideachadh mor leinn. Tha dòigh eile ann air cuideachadh leinn, agus ’se sin gach aon a bhi pàigheadh na pris bhliadhnail cho luath ’sa bhios ’nan comas. Tha moran ann a tha deanamh sin: cho cinnteach ’sa bhios a bhliadhna air son ’n do phaigh iad a mach, bidh an dolair a stigh air son bliadhn’ eile. ’Siad sin cùl-taic a phaipear, agus n’n robh an àireamh na bu mho na tha i, bhiodh MAC-TALLA air a mheudachadh o chionn fhada. Ach tha moran eil’ ann nach eil cho math sin idir. Leigidh iad le bliadhna, ’s da bhliadhna ’s tri bliadhna dhol seachad gun uiread us fios a chur ugainn am bheil iad beò no marbh no am bheil no nach eil ’nam beachd am paipear a phàigheadh. Cha chreid sinn gur a spiocaireachd no ni sam bith dhe’n t-seorsa sin a tha tigh’n riutha, ach cion toirt fa-near. Cha’n eil iad a tuigsinn gu bheil iad a’ cur call sam bith oirnn, a chionn, cha’n eil iad a’ smuaineachadh mu’n chùis idir. Ach na’m biodh iad ’nar n-àite-ne fad mios chitheadh iad cho doirbh ’sa tha e dhuinn an gnothuch a dheanamh air tàilleabh an cuid dearmaid féin. Tha sinn an dòchas gu’m bi iad sin na’s fhearr an deigh so na bha iad, agus ma bhitheas geallaidh sinne ’m MAC-TALLA a dheanamh cho math ’sa bhios ’nar comas. Tha moran eile nach eil a’ gabhail a MHAC-TALLA idir. Molaidh iad e, agus their iad gu’m bu chòir a chumail suas ach cha ’n eil iad fhéin ’ga ghabhail no ’ga chuideachadh air dòigh sam bith. B’ fhior thoigh leinn àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn air an t-samhradh so, agus tha sinn ag earbsa as an luchd-gabhail a th’ againn cheana gu’n dean iad an uile dhichioll air toirt air feadhainn eile cur ’ga iarraidh. Deanadh gach aon a dhleasanas féin an toiseach agus an sin cuireadh e impidh air muinntir eile. Ma ni iad sin cha chùram nach soirbhich le MAC-TALLA, agus cò an Gàidheal a tha dileas d’a chànain nach eil a’ guidhe sin. Chaidh Caiptean Myers, a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa a mharbhadh a’ dhol troimh rathad-uisge St. Peter’s, a sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Bha e cromanh thairis air cliathach an t-soithich agus bhuail a cheann ri maide a bha ’n taobh an rathaid. Chaidh slige chinn aige a bhristeadh, agus bha e marbh air ball. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. SEALL A MACH. Airson STOR UR TAILLEARACHD, a tha ri bhi air a fogsladh air an ath mhios ann an STOR W. E. PETERS NIALL DOMHNULLACH, Ceannaiche. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 357] [Vol. 4. No. 45. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha ’m flùr fichead sent am barailte na’s daoire air an t-seachdain so na bha e air an t-seachdain s’a chaidh. Chaochail Bantrach Phadruig Vigneau ann am Petit-de-Grat, Di-dòmhnaich s’a chaidh, an deigh aois ceud bliadhna ’sa seachd a ruigheachd. Tha an t-side fuireach fuar, agus tha tiormachd anabarrach ann. Cha do shil ach gle bheag uisge o chionn còrr us mios, agus tha fàs an fheòir tric fhad air ais. Tha ’n deigh mhor timchioll air Newfoundland fhathast, agus a’ cumail shoithichean air ais gu mor ’nan turus. Cha’n eil teagamh nach e ’n deigh a bhi cho faisg air laimh a tha fàgail an àite so cho fuar. Ghoirtich fear Padruig Dugas ann an Arichat, a chas o chionn ghoirid le urchair a dh’ fhalbh á gunna air. Bha i air a milleadh cho dona ’s gu’m b’ fheudar a gearradh dheth agus chaochail e toiseach na seachdain so an deigh pian mor fhulang leatha. Tha sinn a’ cluinntinn bho chuid de luchd-gabhail a’ MHAC-TALLA nach eil iad ’ga fhaighinn cho riaghailteach ’s bu chòir dhaibh. Cha’n eil fhios againne ciod a tha cearr, ach ni sinn ar dichioll air fhaotainn a mach. Neach sam bith a chailleas àireamhan dhe’n phaipear, leigeadh e fios ugainn, agus ma bhios iad againn theid an cur g’a ionnsaidh. Bha coinneamh aig Conservatives na siorrachd so Di-màirt s’a chaidh, agus roghnaich iad Sir Tearlach Tupper agus Eachunn F. Dùghlach gu ruith air son a bhi nan luchd-pàrlamaid re nan còig bliadhna tha tighinn. Bha coinneamh aig na Liberals Dior-daoin, agus roghnaich iad an Dotair Kendall agus Ioseph Mac-a-Phearsain gu ruith ’nan aghaidh. Cha’n eil gnothuichean ach gle fhad air ais anns a’ chuid so de’n eilean. Cha’n eil ach beagan obrach ’ga dheanamh anns na mèinnean, agus tha sin a’ cumail a’ bhaile air ais. Tha airgead gle ghann. Tha laimhrig a ghuail na tàmh cho fad so, ach tha sinn a’ cluinntinn gu bheil dùil aca bhi luchdachadh guail aice an ùine gun bhi fada. Bha dùil aig a Chuideachd an gual a chur a mach uile aig a Whitney Pier agus ann an Louisburg, ach a réir coltais, tha iad a dol a chur a mach pàirt dheth ann an Sidni. Chaidh dithis dhaoin’ òga a bhàthadh ann an acarsaid Sidni Tuath a sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Bu sheòladairean iad a bh’ air soitheach-seolaidh Frangach a bha stigh, agus chaidh iad féin agus fear eile dhe’n sgioba am mach le bàta beag siùil. Chaidh am bàta thairis. Ghreimich iad ’nan triùir air a’ bhàta agus chum iad an uachdar car treis ach thug an dithis so suas mu’n d’ ràinig cuideachadh, agus chaidh am bàthadh. Bha corp fir dhiubh air fhaotainn air uachdar an uisge, ach cha d’ fhuaireadh corp air fhir eile fhathast. Cha robh fear dhiubh ach naodh bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear eile da bhliadhn’ air fhichead. Chaidh ionnsuidh a thoirt o chionn ghoirid air muinntir baile St. Malo ann an Cuibeic a phuinnseanachadh. Chuir cuìd-eigin tòrr de Pharis Green ann an tobar as am biodh an sluagh a’ tarruinn uisge. Ach gu fortanach fhuaireadh am mach gu robh ’m puinnsean air a chur ann mu’n deachaidh an t-uisge a chur gu feum. Bha nighean òg ann an Iberville an Cuibeic a’ dol dhachaidh á factoridh anns an robh i ’g obair oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, agus air dhi a bhi dol seachad air drochaid, chuir i dhith a h-ad ’sa brogan, ’s leum i dh’ an amhuinn. Bha ’n struth gle chas anns an amhuinn agus chaidh a bàthadh. Cha ’n eil fhios gu de thug oirre crioch a chur oirre féin. Tha fear Uilleam Mac Coinnich a’ fuireach air Binn-nan-Gearrloch a bhios ceud bliadhna ’sa deich a dh’ aois ann an Iulaidh s’a tighinn. Thainig e mach á Gearrloch o chionn còrr us leth-cheud bliadhna, agus thog e fearann air a bheil e fuireach fhathast. Tha e slán fallain, agus comasach air beagan obrach a dheanamh. Cha do chleachd e speuclairean riamh. O chionn chòig bliadhna choisich e aon latha seachd mile air ais ’s air adhart dh’ an eaglais, agus a’s t-samhradh s’a chaidh choisich e choimhead air nighinn dha a tha fuireach da mhile bho’n àìt aige fhéin. Chaidh fear Eachunn D. Dùghlach a mhuinntir Christmas Island a bhàthadh eadar sin us Baddeck, air Di-luain an t-seachdamh latha fichead de dh’ April. Chaidh e null do Bhaddeck a dh’ iarraidh dotair do choimhearsnach dha a bha tinn, agus dh’ fhàs an latha gle stoirmeil, cho stoirmeil ’s nach robh dùil gu’n toireadh e ionnsuidh air tigh’n dhachaidh idir. Ach thug e an ionnsuidh, agus chaill e a bheatha. Tha e coltach gu robh e feuchainn ris a bhàta thoirt mu’n cuairt ’nuair a thainig oiteag làidir air, agus air dha an seòl a lasachadh, rug tonn air agus mar sin chuireadh am bàta thairis. Bha daoine ’ga fhaicinn bhar cladach Washabuckt. Bha e na dheagh mharaiche, cho math ’sa bha ’san sgireachd. Bha e da fhichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach agus ceathrar chloinne. BAIS. Ann am Malagawatch, air an 16mh latha de dh’ April, Flòiri Nic Coinnich, ceithir fichead bliadhna s’a còig a dh’ aois. Aig Forks Shidni, air an 9mh latha de’n Mhàigh, Cairistiona, bantrach Dhomhnuill Mhic Fhionghain tri fichead bliadhna ’sa coig deug a dh’ aois. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont. MAIGH, 1896. 1 Di-haoine. A Bhealltuinn. 2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica. 1494. 3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge 4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m. 5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873 6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776. 7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46. 8 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 7.7. 9 Di-sathairne 10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge. 11 Di-luain 12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar. 13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin, 1812 14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh. 15 Di-haoine 16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain. 17 DI-DONAICH. An fheill Chatain. 18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843. 19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411 20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506. 21 Dior-daoin. Ceannairc ’sna h-Innsean, ’57 22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad 23 Di-sathairne 24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis. 25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28. 26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar. 27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28. 28 Di-daoin. Comunn Gal’ach Lunnain 1778 29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660 30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596. 31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. [TD 358] [Vol. 4. No. 45. p. 6] TURUS FHINN DO LOCHLANN. (Air a leantuinn.) Dh’ fhalbh iad gun dàil le Fionn a suas do’n Ghleann, far an robh an cù glas a’ fuireachd. Cha deachaidh iad ro fhada leis anns a’ ghleann an uair a chual’ iad donnalaich a’ choin a tighinn. Thug iad sùil, agus nuair a chunnaic iad e thubhairt iad ri ’cheile gu’n robh an t-àm aca-san a bhi teicheadh. Ghrad thill iad air an ais, agus dh’fhàg iad Fionn fo mheachainn a’ choin. ’Nis b’e ’n aon chuid de Fhionn fuireachd agus teicheadh. Na’n teicheadh e, bhitheadh e air a chur gu bàs, agus na’m fuireachadh e, cha bhitheadh e ach air a chur gu bàs, agus bha cho math leis tuiteam leis a’ chù agus tuiteam le naimhdean. Agus le sin dh’ fhuirich e. Bha ’n cù glas a’ tighinn le chraos fosgailte, agus a theanga mach air leth taobh a chraois. Bha gach smut a chuireadh e as a shròin, a’ losgadh tri mile roimhe agus air gach taobh dh’e. Bha Fionn ’ga chràthadh le teas analach a choin agus chunnaic e gu soilleir nach b’ fhada ’b’ urrain e seasamh ris. Smaointich e ’n seo ma bha féum ’an slabhruidh Bhrain, gu’n robh an t-am a bhi ’ga tarruing. Chuir e a làmh ’na phoca, agus an uair a bha’n cù an dluth-astar ’da thug e ’mach i, agus chrath e ris i. Ghrad-sheas an cù agus thòisich e air bogadh earbaill. Thàinig e an sin air aghaidh far an robh Fionn, agus dh’ imlich e gach créuchd a bh’ air o mhullach a chinn gu bonn a choise, gus an do leigheis e le theanga na loisg e le ’anail. Mu dheireadh spàrr Fionn slabhraidh Bhrain mu amhaich a’ choin ghlais, agus theirinn e staigh an gleann agus an cù air lomhainn aige. An iochdar a’ ghlinne bha seann bhodach agus seann chailleach a’ fuireachd a b’ àbhaist a bhi biadhadh a’ choin ghlais. Bha ’chailleach aig an dorus, agus nuair a chunnaic i Fionn a’ tighinn leis a’ chu leum i staigh a’ glaodhaich agus a’ bualadh a bas. Dh’ fheòraich am bodach dhi gu ’dé chunnaic i no gu ’dé ’dh’fhairich. Thubhairt i gu’m fac i ni mòr, duine cho mòr agus cho briagh ’sa chunnaic i riamh a’ teàrnadh a staigh an gleann us an cù glas air lomhainn aige. “Ged bhitheadh sluagh Lochlainn agus Eirionn cruinn,” ars’ am bodach, “cha bhitheadh duine ’nan measg uil’ a b’ urrainn sin a dheanamh ach Fionn, Righ na Féinne, agus slabhraidh òir Bhrain aige.” “Ged b’e sin fein e,” fhreagair a’ chailleach, “tha e tighinn.” “Cha’n fhada gu uair fhios,” ars’ am bodach ’us e léum a mach. Ghabh e air aghaidh ’an coinneamh Fhinn, agus ann am beagan briathrar chuir iad failt’ air a chéile. Dh’innis Fionn da bho thoiseach gu deireadh, an t-aobhar mu’n robh e ’n siod. An sin dh’ iarr am bodach air dol a staigh gus an leigeadh e dheth a sgios, agus gus am faigheadh e biadh us deoch. Chàidh e staigh, Dh’ innis am bodach do’n chaillich an sgeul a dh’ innis Fionn da. Agus an uair a chual’ a’ chailleach an sgeul, chòrd e rithe cho math, agus gu’n d’ thubhairt i ri Fionn, gu’m b’e a lan-bheatha fuireachd anns an taigh aice-se gu ceann la ’s bliadhna. Ghabh Fionn ris a’ chuireadh gu toileach, agus dh’ fhuirich e ’n sin. An ceann la ’us bliadhna chaidh a’ chailleach a mach, agus sheas i air cnoc làimh ris an taigh. Bha i greis a’ sealltainn air gach ni a chitheadh i, agus éisdeachd ris gach sian a chluinneadh i. Mu dheireadh thug i suìl a sios ris a’ chladach, agus chunnsic i sluagh anabarrach mòr nan seasamh air Tràigh Mhòir Lochlainn. Ghrad-ruith i staigh a’ bualadh a bas agus ag éigheachd a creach, agus a dà shùil cho mòr ri guit leis an eagal. Léum am bodach air a’ chois, agus dh’ fheòraich e dhi gu ’dé a chunnaic i. Thubhairt i gu’m fac’ i ni nach fhac’ i riamh roimh’ a leithid. “Tha sluagh gun àireamh air an Tràigh Mhòir sin shìos, agus tha aon fhear claon ruadh ann, agus cha ’n eil mi smuainteachadh gu’m beil a chéile-còmhraig an nochd fo na rionnagaibh.” “Oh!” thubhairt Fionn ’us e ’leum air a chois, “sin agad cuideachdan mo ghràidh! Leig a mach mi ’nan coinneamh. Dh’ fhalbh Fionn leis a’ chu ghlas a sios a dh’ ionnsaidh na tràghad, agus an uair a chunnaic a chuid daoin’ e tighinn beò slàn ’gan ionnsaidh, thog iad iolach mhòr ghàirdeachais a chualas ann an ceithir chearnaibh Lochlainn. An sin chuir iad féin agus an Righ saoghalta fàilte chairdeil air a chéile. Agus ma bha ’n fhàilt eadar iadsan agus Fionn càirdeil cha bu lugha na sin a bha ’n fhàilt eadar Bran agus an cù glas càirdeil, oir b’e so a bhràthair a thugadh maille ris as a’ chaisteal. An sin thug iad dioghaill air na Lochlannaich a chionn mar a bha iadsan dol a dheanamh air Fionn. Thòsich iad ann an dara ceann Lochlainn, agus cha do stad iad gus an deachaidh iad a mach air a’ cheann eile. An deigh dhaibh Lochlann a chur fo chis thill iad dachaidh, agus an uair a ràinig iad Talla Fhinn rinn iad cuilm mhòr, ghreadhnach, aighearach a bha la ’us bliadhna air chumail. Ann an Sina, ma gheibh duine bàs am feadh a tha e ’n sàs air son murt, tha sin air a ghabhail mar chomharradh cinnteach gu robh e ciontach. Shiubhail esan, ach feumaidh cuideigin fulang air son a chionta, agus theid a mhac a’s sine a chur dh’ an phriosan. Mur eil mac aige, an sin bheir an lagh lamh air ’athair no air a bhràthair, agus theid fear aca sgiursadh. Tha an t-olc anns an teaghlach, agus feumaidh cuid-eigin dioladh air a shon. Anns an Eadailte tha bristeadh air gealladh-pòsaidh air a mheas na ni gle dhonra. Ma’s i ’n nighean a theid an cois a facail, theirear mar fhar-ainm “a chomhachag” rithe, agus bidh i air a seachnadh leis na daoin òga ’s fhearr ’s an àite, agus ’s ann gle ainneamh a theid aice air deagh phòsadh a’ dheanamh. ’S e ’m paipear-naigheachd a’s fhearr a tha pàigheadh air an t-saoghal, an World, a tha air a chur a mach am baile New York. Air a bhliadhna s’a dh’fhalbh, an deigh gach cosgais a bha timchioll air a bhi pàidhte, bha gle fhaisg air da cheud deug mile dolair ($1200.000) air fhàgail aig luchd-seilbh a phaipeir. Is iomadh ni a dh’ fhaodas tighinn ann an rathad duine ris nach bi sùil sam bith aige ’na òige. An uair a bhios an cruaidh-fhortan ag iathadh mu ’n cuairt do dhuine, feumaidh e cur suas le iomadh èis, agus le iomadh companach-leapadh air nach robh aithne no eòlas aige ann an tùs a làithean. Gabh an cothrom fhad ’s a gheibh thu e. Caoinich am feur an uair a bhios an turadh ann. Dean maorach an uair a bhios an tràigh ann. Tha ’àm fhein air son a h-uile ni fo ’n ghrein. Ma bhios ni sam bith ann a chuireas smal air d’ aodach, seachainn e; agus seachainn mar an ceudna gach ni a bheir mi-chliu air d’ ainm. [TD 359] [Vol. 4. No. 45. p. 7] Thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air a ghreadhnachas leis am bheil Sàr Ruisia ri bhi air a chrùnadh, agus a chosguis a tha gu bhi ’na lorg. Faodaidh sinn a radh an so nach robh an t-Iompaire a tha ’n dràsda air a Ghearmailt air a chrunadh idir, agus ’se ’s aobhar dha sin gu’m b’ fhearr leis greadhnachas neo-sheadhail a chrùnaidh a sheachnadh agus an t-airgead a rachadh a chosg timchioll air a ghleidheadh dh’ an duthaich. Tha daoine ag amharc air an Iompaire mar dhuine nach eil cho fior ghlic ’s bu chòir do fhear-riaghlaidh Iompaireachd a bhith, ach anns an ni so, nochd e gu bheil beagan de ghliocas a sheanamhar aige. Thatar a’ bruidhinn air Reiseamaid Shaor-thoileach Ghàidhealach a thogail ann an Dun-Eideann air an t-samhradh so. Tha muinntir a’ bhaile dhe’n bharail gu’m bu chòir do cheanna-bhaile na h-Alba réiseamaid a chumail suas de shaighdearan a bhiodh air an còmhdach anns an t-seann deise Ghàidhealaich. Bha réiseamaid de ghillean an fhéillidh anns a bhaile gus o chionn choig deug no fhichead bliadhna; chaidh a cur m’a sgaoil an uair sin, agus tha iad a’ dol a thoirt ionnsuidh am bliadhna air té ùr a chur ’na h-àite. Buaidh leis na seòid! Bhuinneadh am bata a bhios ban-righ Victoria a giùlan, do righ Tearlach II, agus tha e air a dheanamh air meur dhe’n chraoibh dharaich anns ’n do dh’ fhalaich e ’nuair a bha salghdearan Chromwell an tòir air. Tha a bhan righ an deigh a chur mar cheann air a bhata, iodhal aoraidh beag a chaidh a chur uice as na h-Innsean. Tha cuid-eigin an deigh a dheanamh suas gu bheil gillean-posta Lunnainn eatorra air fad a’ coiseachd còrr us da fhichead us ochd mile de mhiltean gach latha, no astar a dha fhaide ’s ged a rachadh duine ceithir-thimchioll an t-saoghail. Anns a bhliadhna 1770, bha sia fichead coire ann air son am faodte duine chur gu bas fo lagh Bhreatuinn, agus bha e ’na ni cumanta da fhichead us leth-cheud duine bhi air a dhiteadh gu bàs aig an aon chuirt. Tha eich fhiadhaich air fàs cho lionmhor ann an Queensland, an Astralia, ’s gu bheileas ’gan tilgeadh air son an àireamh a chur an lughad. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 360] [Vol. 4. No. 45. p. 8] AISLING MARI. Rugadh Iain Lowe, ughdar an orain so, an Galloway ’s bhliadhna 1750. Chaochail e a faisg air Fredericksburg sna Stàitean sa bhliadhna 1798. Bha Alasdair Muilleir, an fear a chaidh a bhathadh na dhoctair. Bha e a dol a phosadh Mari. Bha Lowe na fhear-teagaisg an taigh a h-athar nuair a chaidh a leannan a bhàthadh. ’S e ’s dòcha mar sin gun deach an t-oran a dheanamh mu’n bhliadhna 1770. Chaidh a thionndadh gu Gaidhlig uair no dha. Tha e air a thabhairt seachad mar so ann an leabhar sgriobhte a tha agam:— Nuair dh’ eirich gealach gheal nan tràth Air creachainn arda bheanntan Dhi, ’S a sgaoil i ’m mach a solus aigh, ’Ni dealradh anns gach ait am bi, An sin ghabh Mari sios gu tamh, ’S a h-air’ air Sàndi fad o thir, Is chual i fann-ghuth ciuin ag radh, A Mhari leig am bron sin dhiot. O’n adhart thog i suas a ceann A shealltainn co bhiodh ann is i, ’S co chunnaic i ach og a graidh, ’S a chruth air fàs gu h-uaine li. O, Mhari luaidh, gur fuar a tha Mi ’n grunnd a chuain ’s mo chàil gun chli; Gur fada bhuait mi ’n suain a bhàis, ’S a Mhari, leig am bron sin dhiot. Tri oidhche dhuinn ’sa choimh-lion la, Bu truagh ar càradh ’s sinn ri stri Ag iarraidh ’n iubhrach chumail slàn A streup ri spairn ’s ri ardan shian. Nuair lion gach uamhas sinn roimh ’n bhas, Mo chridh’ bha lan le gradh dhuit-fhin.— Tha’n fhairg’ aig fois ’s tha mis’ aig tamh, ’S a Mhari, leig am bron sin dhiot. O, deasaich ort, a sheud mo ghraidh, ’S nach fad’ an dail ’san tachair sinn, An ionad eibhinn ciuin a ’s fhearr, ’S cha sgar am bàs gu brath bhuait mi. Nuair ghairm an coileach dh’ fhalbh an sgail, ’S gun d’ fhag sud Mari brònach, tinn, Ach chual’ i ’n spiorad ciuin ag radh, A Mhari, leig am bron sin dhiot. Chuireadh an t-oran so am mach san Teachdaire Ghaidhelach, an September 1829. Chan fheil am fear a chuir a dh’ ionnsaidh an Teachdaire e a toirt de ’ainm ach da litir, C. S. So mair a tha C. S. a toirt duinn a cheud cheathraimh:— Nuair dh’ eirich gealach gheal nan tràth Os cionn nam beann a’s aird’ tha ’s tir; ’S a thaom o ’n ear a solus fann. A nochdadh chrann, is aird gach ni; Leig Mari sios i-fein chum pramh, ’S a beachd air Sàndi fad o thir: Nuair chual’ i guth gu ciuin ag radh, A Mhari, leig am bron sin diot. Tha ’n t-oran so agam air dhoigh eile, ach chan fheil e gu muthadh cait an d’ fhuair mi e. Bha ’n re air eirigh suas os cionn Gach beinn’ is stùic a b’ airde chit’, ’S a tilgeadh sios air tur is craoibh A soluis aoibh bho gnuis ghil mhin, An uair laigh Mari sios gu tamh, A smuain mo gradh ’s e fad o thir— ’N sin chual’ i fann-ghuth ciuin ag radh, A Mhari, leig am bron sin dhiot. O’n adhart thog i ’ceann gu foil A dh’ fheoraich co bha labhairt r’ i; ’S air chrith na lath’r bha og a graidh. A ghruaidh glas-bhàn ’sa shuil gun li. O Mhari ghaoil, is fuar mo chré, Fo thonnaibh beucach, ’s e gun chli; Is fada bhuait mi ’n suain a bhàis, ’Sa Mhari, leig am bron sin dhiot. Tri làithean cruaidh’ ’s tri oidhchean buan Bha sinn le buaireas stuadh ga’r claoidh, ’S a stri ri ’r long a chumail suas, Ach b’ fhaoin ar cruadal dhuinn ’s ar stri. ’S an am sam b’ uamhasaich’ ar càs Lan-liont le gradh dhuit bha mo chridh’; Tha ’n stoirm air sgur, ’s tha mis’ aig tamh, ’S a Mhari, leig am bron sin dhiot. Dean deas, gun dail, a sheud mo ghraidh, Oir tachraìdh sinn air traigh na sith’; Far am bi gradh gun bhron, gun chradh, ’S cha sgar am bas o cheile sinn. Aig gairm a choilich dh’ fhalbh an sgàil, ’Sa nis a gradh chan fhaiceadh i; Ach chual’ i ’n spiorad caoin ag radh, A Mhari leig am bron sin dhiot. Their cuid nach h-eil sin dhiot ceart, gur h-e sin diot bu choir a bhi ann. Cuireadh iad sin ann ma ’s e a’s freagarraiche. Tha fios agam gun stad am facal dhiot ann an sgornan morain. Chan fhaigh iad e a freagairt ann am fuaim do dh’ i, sinn, is sith. Gheibh na h-Earraghaidhealaich lan cheart e. Freagairidh a cheud leth de gach ceathramh, ’s e sin cho fad ’sa tha fuaim nam facal a dol, sluagh ’s am bith. Gu fortanach tha ’n leth mu dheireadh agam air dhoigh eile. Rinneadh an leth so airson nan Abrach ’s nan Tuathach. Bha ’n re &c An uair laigh Mari sios gu tamh. Sa smuain mu gradh air cuan nan sian.— ’N sin chual’ i fann-ghuth ciuin ag radh, A Mhari, leig am bron sin diot, O’n adhart &c. A Mhari ghaoil, is fuar mo chré, Sint’ fo na beuc-thuinn ’s gairge fiamh, Is fada bhuait mi ’n suain a bhais, ’Sa Mhari, leig am bron sin diot. Tri laithean cruaidh &c. ’S an am ’sam b’ uamhasaich ar càs, Mo chridh’ le gradh bha dhuit-sa liont’; Tha ’n cuan fo fheith, ’s tha mis’ aig tamh, ’Sa Mhari, leig am bron sin diot. Dean deas gun dail &c. Aig glaodh a choilich dh’ fhalbh an sgail. An ait a graidh bha ’n oidhche chiar, Ach chual’ i ’n spiorad ciuin ag radh, A Mhari, leig am bron sin diot. Ré, a ghealach. Aoibh, taitneach no aoibheil. Cré, corp. A. M. S. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 361] [Vol. 4. No. 46. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 23, 1896. No. 46. Seumas Fawcett. Tha beatha ’n duine so a nochdadh gu soilleir gur-a mor na theid aig duin’ air a dheanamh ma bhios an toil aige, a dh’ aindeoin cho doirbh ’sa bhitheas an ni sin a chuir e roimhe a thoirt gu crich. Chaidh aige air faotainn a stigh do ’n Pharlamaid Bhreatunnach, agus fhuair e aon de na dreuchdan bu chudthromaiche ’san rioghachd, agus e aig a’ cheart àm dall. ’Nuair a bha e fhathast ’na ghille, rinn e suas ’inntinn gu’m biodh e lath-eigin ’na bhall de Thigh nan Islean, agus bha gach ni a bha e deanamh air a dheanamh le sin ’san amharc aige. Bha e direach an deigh a chùrsa ann an collaiste Chambridge a chriochnachadh, aig aois choig bliadhna fichead, ’nuair a chaidh e aon latha mach a shealg còmhla ri àthair ’s ri sgioba de chàirdean ann an ceann a deas Shasuinn. Ann an dol troimh phàirce a bha ’n sin, chaidh an duin’ òg beagan air thoiseach air càch, agus beagan an deigh sin loisg ’athair, aig nach robh ach droch fhradharc, urchair air ian a bha direach an rathad a bha mhac. Chaidh a chuid bu mhò dhe’n urchair anns an ian, ach chaidh da ghràinein air seacharan agus chaidh iad an sùilean a mhic, a deanamh toll cruinn troimh gach sùil ’san speuclair aige, agus ’ga dhalladh ri bheò. An ceann dheich mhionaidean, tha e-fhéin ag innse dhuinn, bha e air inntinn a dheanamh gu’n leanadh e roimhe mar a rùnaich e o ’òige. Dall, bochd, agus gun eòlas sam bith aig an t-saoghal air, chuir e roimhe gu’m faigheadh e do Thigh nan Islean, agus an ceann sheachd bliadhna aig aois da bhliadhn’ deug air fhichead, fhuair e a rùn agus ghabh e ’àite suidhe ’sa phàrlamaid. ’Nuair nach robh e ach da fhichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois, dh’ éirich e gu bhi ’na Ard-Phost-mhaighstir na rioghachd. A bharrachd air an onair sin choisinn e cliù mor mar ùghdar, agus mar fhear-teagaisg ann an aon de àrd oilthighean Shasuinn. Ged-a bha aige ri ’bheatha chur seachad ann an tiugh dhorchadas, bha e daonnan aoibheil, toilichte. Bha e a’ deanamh feum iomchuidh de nithean matha na beatha so. Bha e gle mheasail air ceòl, agus rachadh aige air iomadh seòrsa cleas a chluich. B’ fhior thoigh leis a bhi ’g iomradh, agus bhiodh e eadhon a sceiteadh air an deigh, agus greim aige air an darra ceann de mhaide a bhiodh an laimh fir eile. ’Na dhreuchd mar Ard-Phost-mhaighstir, bha e ’na dhuine cumhachdach. Rinn e iomadh riaghailt mhath inntreachadh, agus gu h-àraidh an lagh leis an robh na bancaichean-cùmhnaidh air an cur air chois. Chaochail e leis an amhaich-ghoirt ’sa bhliadhna 1884. Naigheachdan a New Zealand. Thainig bàs cràiteach air bean ann am Mangawai, sgire faisg air Waipu, o chionn ghoirid, bantrach Ghilleasbuig Stiubhairt. Chaidh a losgadh cho dona ’s nach robh i beò ach beagan uairean de thim. Bha i muigh a’ coiseachd eadar tomannan garbha de luachair a tha fàs ’san talamh. Bha am feur na theine agus ghreimich an lasair air a cuid aodaich. Ged a thug i gach oidhearp air an teine chur as, bha a h-aodach uile air a losgadh gu ’crios. Choisich i air eigin do’n tigh-bhainne agus shuath i cè (uachdar) ris a’ chuid a bha loisgte; chaidh i ’n deigh sin a stigh do’n tigh, agus thug i an leabaidh oirre. Thuit na h-ìnean bhar meòirean a casan. Chaill i faireachdain a bodhaig, agus cha deanadh leigh feum dhi. Cha do labhair i ach da fhacal mu’n do chaochail i. Bha i mu thri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Chaochail a companach bliadhna roimpe, agus thiodhlaiceadh e air an aon latha dhe’n bhliadhna. ’S e b’ ainm dhi Peigi Ros. Bha a cuideachd a’ fuireach air slios na h-Acarsaide Mòire, an Ceap Breatunn. Bha i ’na boirionnach còir, measail. Bha teas agus tiormachd mhor anns an earainn so de’n dùthaich air an t-samhradh s’a chaidh. (Tha ’n samhradh againne ’nuair a tha ’n geamhradh agaibh-se.) Bha còrr us tri miosan gun bhoinne uisge thuiteam as an speur. Bha ’n talamh mar gu’m biodh e air a bhruich mar chlachan-creadha, am feur loisgte agus cho tioram ’s gu’n deanadh sradag theine a lasadh mar fhùdar. Thòisich teintean mora ann an iomadh àite, agus leis an tiormachd bha an teine gabhail roimhe, agus a’ sgrios leudan mòra de choille, taighean-còmhnuidh agus liosan mheas-chraobh, a’ sguabadh roimhe gach ni a thigeadh ’na rathad. Bha treud mor de chaoraich ’s de spréidh a’ gabhail fasgaidh anns a’ choille, a’ sireadh luibhean us ghnothuichean ri ithe; chuartaich an teine iad ’sa choille, cha robh dòigh ac’ air teicheadh, agus chaidh an losgadh còmhla ris gach ni eile. Bha an teine na bu mhiosa ann am meadhon na dùthcha far an robh moran de dh’ fhearann fo choille. Tha an talamh a nise cho loisgte ’s nach fhàs feur no ni eile gun fras a chur. Agus cha’n eil teagamh agam nach feum cuid de dhaoine bochda cuideachadh fhaotainn air son siol-cur a cheannach. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., April 15. Tha sinn fada ’n comain na feadhnach a chuir ugainn pàigheadh a phaipeir ré na seachdain, agus tha sinn an dòchas gu’n dean moran eile an ni ceudna air an ath sheachdain, ’s air gach seachdain a thig ’na deigh. Tha cosgais mhor ann an cur a mach paipeir. Tha sinn toilichte bhi ’cur fàilte air àireamh de luchd-gabhail ùr a chuir an ainmean ugainn o chionn ghoirid; tha sinn an dòchas gu’n taitinn am MAC-TALLA ruitha, agus gu’n toir iad moran eile gu eòlas a chur air. [TD 362] [Vol. 4. No. 46. p. 2] COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Is minic a chual’ sinn, a Choinnich, “Nach tig an cota glas co maith do na h-uile fear,” ach gun teagamh sam bith is maith tha ’n cota glas a’ tighinn dhuit-sa, fhir mo chridhe, agus gu mo slan a bhitheas tu g’a chaitheadh. Ach ciod i do naidheachd, agus ciamar tha Seonaid choir, agus an teaghlach gu leir o’n chunnaic mi mu dheireadh thu? Is mi tha toilichte d’ fhaicinn. Dean suidhe an sin, agus cluinneamaid gach ùrachd a tha agad ri aithris. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, far greim air do laimh, agus innis domh do chor, agus cor gach sean agus og ’n ad fhardaich. Cha bheag mo sholas tachairt riut an duigh, a charaid ionmhuinn, agus mar an ceudna co trath ’s an la. Mur ’eil cabhag ort, cuiridh sinn beagan uairean uine seachad cuideachd, a chum gu ’n tig sinn air na cuisean a thachair air feadh an t-saoghail o’n chunnaic sinn a cheile roimhe, agus tha nis iomadh seachdain o sin. MUR.—Mo lamh sa dhuit, a Coinnich, gu ’n suidh mise gu socaireach fhad ’s a thogaireas tu, chum gach ur-sgeul a chluinntinn, agus comhradh taitneach a bhi againn mu na nithibh a bha agus a bhitheas. Ach, a’ charaid, cha laidh mo shuil air do chota glas, oir is maith e. Cha ’n ’eil teagamh agam nach i obair Seonaid choir tha ’n sin, agus is tlachd mhor a dh’ fhag i e; agus rinn an taillear, ge b’ e co e, a chuid fein de ’n ghnothuch gu snasmhor, ceanalta. COIN.—Tha thu gle cheart, a Mhurachaidh, oir roghnaich Seonaid na h-urad de rusgaibh nan caorach a bh’ agam air an Leitear-Bhuidhe, chum an trusgan so a dheanamh do charaid araidh d’ an ainm Murachadh Ban. Le ’lamhaibh fein chard, agus cho-thlam, agus shniomh i e. An sin, thug i do Dhomhnull Breabadair e, a ris chuireadh air a’ bhord-luaidhe e, gus an d’ rinneadh e co tiugh ri cluais laoigh. An deigh sin ghearradh ’n a dha leth e, agus leis an darna leth rinn Fionnladh Tailleir suas e mar a tha thu ’g a fhaicinn, agus tha ’n leth eile aig Seonaid anns a’ chiste dheirg, agus á sin cha tig e gus an teid Murachadh Ban g’ a iarraidh. MUR.—Direach, glan, ceart, a Choinnich, tha Murachadh Ban fada fada an comain Seonaid, tha gun teagamh; cha ’n ’eil fios co a dheanadh a leithid ach i fein; ach tha i tuilleadh ’s ceanalta, coir, air an doigh sin, agus bu dual athar agus mathar dhi sin, mar is maith tha fios agamsa. Tha ise a’ dearbhadh an t-sean-fhocail a deir, “Gu’m bheil gride nan sinnsear anns an t-sliochd.” COIN.—Cha tig e dhomh-sa gun ’aideachadh gu saor a Mhurachaidh, gur gleusda, tapaidh, dileas, agus glic a’ bhean Seonad. Tha i dleas’nachail d’ a companach agus da cloinn, cairdeil do ’n bhochd, suairce ris na h-uile, agus air gach seol ’n a deagh bhean-tighe. Na ’m biodh i a chaochladh sin, bhriseadh i mo chridhe, oir is minic a chual thu “Gu ’n ceannsaich gach fear an droch bhean, ach esan aig am bheil i.” MUR.—Ro fhirinneach, a Choinnich, ach chaomhain am Freasdal thusa o gach trioblaid agus briseadh-cridhe air an doigh sin; agus tha fios aig an t-saoghal gur i Seonaid a rinn duine dhiot, a Choinnich. Mu ’n do phos thu, tha cuimhn’ agad fein, mach robh annad ach sliomair mor de bhalach luidseach, neo-chuimir, agus slaodach ’n ad sgeudachadh. Seadh, a charaid, tha deagh fhios agad nach robh anns an am sin aite sam bith cho taitneach leat, agus anns am bu trice am bitheadh tu, na tigh-osda Dhonnachaidh Thailleir. Ochan is iomadh sgillinn gheal agus ruadh a dh’ fhag thu ’s an tigh sin; agus is iomadh la agus oidhche a chuir thu seachad ann, air bheag buannachd do d’ chorp no do d’ anam. Ach air sin gu leir chuir Seonaid grad chrioch, agus cha b’ ann ’n a thrath. Is cianail ri ’smuaineachadh air a liuthad teaghlach ’s a tha air an creachadh le amaideachd ceannard an teaghlaich anns an tigh-osda. Tha e ciontach de pheacadh a ta ’n a mhathair-aobhair do gach peacadh. Tha e a’ milleadh a chliu agus a chodach, a’ cur as do ’n chloinn aige leis an ocras, agus ’g an sgeudachadh le luideagaibh suarach agus salach. Tha e ’toirt air falbh gach sithe agus suaimhneis ’s an t-saoghal a ta lathair, agus ’s an t-saoghal a ta ri teachd, agus ’g a sgriosadh fein, le ’shuilibh fosgailte, eadar anam agus chorp. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, cha ’n ’eil duil agam nach deanadh tu ablach mhaith de ministeir, oir cha b’ fhearr na sin a b’ urrainn seann Mhaighstir Domhnull againn fein a chur a mach as a’ chupaid aige. Gidheadh, feumaidh mi aideachadh le taingeileachd, gu ’m bheil Seonaid bhochd airidh air gach cliu a tha thu a’ caradh air a ceann. C’ uin a thig thu do ’n Ghoirtean-Fraoich a dh-fhaotuinn do chota-glais oir cha chuir Seonaid ’n ad ionnsaidh e gus an teid thu g’a iarraidh? Thig, a charaid, ann an uine ghoirid le run gu fantuinn maille ruinn re dha na tri oidhchean, agus gabhaidh Fionnladh Tailleir do thomhas, agus ni e do chota gu freagarrach dhuit mu ’m fag thu an tigh againn. MUR.—Tha mi fada, fada ’n ad chomain, a’ Choinnich choir, agus tha mi moran nis mo na sin an comain Seonaid air son a cumhneachain agus a caoimhneis do m’ thaobhsa. Bheir mi oidhirp air dol a shealltuinn ort an uair a bhios comas agam, agus air fuireach maille riut fhad ’s a cheadaicheas mo ghnothuichean domh sin a dheanamh; agus cuiridh mi litir do ’n Ghoirtean-Fraoich la no dha mu ’n ruig mi, a dh-innseadh an ama air am feud duil a bhi agad rium. COIN.—Mo bheannachd agad, a Mhurachaidh, bheir an naidheachd sin solas nach beag do Sheonaid, an uair a dh’ innseas mise sin dhi; ach na cuir dail ro fada ’s a’ ghnothuch air eagal gu ’m bi sinn a’ call ar foighidinn. MUR.—Ach a nis, a Choinnich, air duinn na cotaichean glasa, agus an turas d’ an Ghoirtean-Fraoich a chur air doigh, cluinneamaid ma ’s e do thoil e, ciamar tha do mhaighstir mor, Sir Seumas, agus ciamar tha an spreidh Eireannach, a’ tighinn air an adhairt ’s an duthaich so, a tha gu tur coimheach dhoibh, agus air iomadh seol ni ’s gairbh’ agus nis creagaiche na bha na machraichean comhnard’ agus reidh air an d’ araicheadh og iad, ann an seann Innis-Fail? COIN.—Direach “an eatorras, mar a bha ’m baile am Baideanach.” Tha Sir Seumas fein gu slan, fallain, ach cha ’n ’eil aon chuid an crodh no na caoraich a’ tighinn air an aghaidh mar bu mhaith leinn. Chaill sinn na h-uiread de na caoraich le gne thuaineal a thainig ’n an ceann; agus tha ’n crodh a’ fuireach caol, seargta, agus neo-bheothail. Cha ’n ’eil iad idir ’g am faicinn fein aig a’ bhaile; agus na ’n tugadh an diugh dhachaidh an dè dh’ fhagadh Sir Seumas an tuath ’n am fearainn fein, agus cha [TD 363] [Vol. 4. No. 46. p. 3] ghabhadh e gnothuch ri sgriob dheth ’n a laimh fein; is e nach gabhadh. MUR.—Tha mi ga d’ dheagh chreidsinn, a Choinnich, agus o ’n toiseach cha robh a’ chaochladh barail agam; oir, cha ’n fhaca mi riamh uachdaran a’ soirbheachadh an uair a ghabhadh e am fearann aige ’n a laimh fein. Cha’n ’eil e ceart sin a dheanamh, agus chan ’eil, cha robh, agus cha bhi beannachd ’n a lorg. Ach is iad na laghanna seilge sin a chuir eadar Sir Ssumas agus an tuath agus b’ fhearr da gu mor an diugh na ’m biodh e air lan-chead a thoirt doibh air gach gearr agus cearc fhraoich, gach fiadh agus earb air an oighreachd a smaladh as, na dealachadh ri deagh thuath mar a rinn e. COIN.—Ro cheart, oir is fhad o ’n chual sinn gu ’n “teagaisg cleachd agus fein-fhiosrachadh na h-amadain,” agus theagaisg iad gu dileas Sir Seumas, ge b’e co d’ an aidicheadh se e. Gu cinnteach fhuair e a chorragan a losgadh, agus bithidh tacan maith mu ’n slanaichear iad, oir bha na leoin guineach agus searbh. MUR—Cha robh ni sam bith co taitneach mu ’n ghnothuch gu leir ris an toilinntinn a thug do thuras Eireannach dhuit fein, a Choinnich, an uair a chual agus a chunnaic thu iomadh ni a thug lasgan gaire ort, ged nach d’ fhuair mise cothrom ort fathast chum a bheag de na nithibh sin a chlunntinn. Ach is e nis an t-am, agus socraich thu fein re sealain gus an aithris thu dhomh beagan tuilleadh dhe’n tapachd a dh’ fhiosraich thu. COIN.—Ni mise mo dhichioll, ma ta, air sin a dheanamh. Bha mi aon la air feill, agus co a bha ri m’ thaobh ach saighdear a bhuineadh do’n aite sin. Bha e ’n a sheasamh agus a cas-labhairt, gus an robh e air a’ chuairteachadh mu dheireadh leis na ficheadaibh sluaigh a bha ’g amharc air an aid aige le toll peileir innte. “Seallaibh air an toll so,” ars’ esan, “agus tha sibh ’faicinn na ’m biodh i ’n a h-aid le crun iosal, chaidh am peileir troimh ’n cheann agam.” MUR.—Is maith a thubhairt an saighdear bochd, ach ciod tuilleadh? COIN.—Air la eile, bha duine beag, luideagach ’n a sheasamh goirid uam, agus dhluthaich coimhearsnach dha fein ris a thubhairt “Cha deachaidh thu do bhaile Chorc an diugh, a Phat,” “Ochan! cha deachaidh, a ghraidh-geal mo chridhe, oir dh’ innis duin’-uasal domh gu ’n robh dubhradh gu bhi air a’ ghealaich an so an nochd, agus dh’ fhuirich mi gus am faicinn e.” MUR.—Mo bheannachd air Pat bochd! bha duil aige nach robh gealach idir ann an Corc, mar a bha far an robh e, agus dh’ fhan e gu glic gus am faiceadh e an dubhradh. Ach am bheil cuimh’ agad air dad tuille. COIN.—Air la araidh bha Eireannach a’ gabhail na slighe an deigh lorg mhor mhaide a ghearradh á coille oig a bha ri taobh an rathaid. Chomhlaich an t-uachdaran e anns an eudann agus thubhairt e ris, “Fhir gun naire, innis domh air ball, c’ ait an do ghearr thu an lorg sin, oir is maith a’ chraobh a mhill thu? C’ ait an do ghearr thu e?” Thionndaidh Pat a ghnuis ris an duin’-uasal, agus a’ cur a chorraig ri barr a’ mhaide, thubhairt e, “ghearr mi direach tarsuing an sin e.” MUR.—Cha robh an duin’-uasal air a dheanamh a’ bheag ni ’bu ghlice leis na ceistibh a chuir e ris a’ bhalach bhochd. Ach cha ’n ’eil sin co maith ri Eireannach a chunnaic mise ’g iarraidh oibre air tuathanach a bha goirid o Ghlaschu. Sheas an duine bochd ri taobh an tuathanaich, a thubhairt ris—“Cha ruig thu leas, a bhalaich, cha ruig thu leas a bhi ’cur dragh’ orm-sa, oir fhuair an dithis mu dheireadh a bha agam as an duthaich agadsa bas air mo laimh, agus b’ eiginn domh an cur fo ’n talamh air mo chosdas fein, agus cha bhi gnothuch agam ri anam tuille as an tir sin, uime sin, bi falbh ma ta.” “Ochan! a dhuin’-uasail, cha ’n eagal domh-sa, gu firinneach, cha ’n eagal domh-sa, oir gu cinnteach gheibh mi teisteanas o gach maighstir aig an robh mi riamh nach d’ fhuair mi bàs aig aon diubh. Is mi nach d’ fhuair, agus feudaidh sibh mo chreidsinn a dhuin’-uasail urramaich.” COIN.—Cha d’ rinn an tuathanach gu ceart mur d’ thug e obair do ’n duine bhochd an deigh gach dichill a rinn e gu dhearbhadh gu ’n robh e beo. Gun teagamh is ro iongantach freagairtean nan Eireannach air amannaibh. Chual’ mi mu dhithis shaighdear a bha ann roime so aig an robh mor-speis d’ a cheile. Bha ’n t-aon ’n a Albannach, agus an t-aon eile ’n Eireannach. Mu ’n deachaidh iad sios do ’n chath, rinn iad cordadh r’ a cheile na ’n rachadh a h-aon diubh a leonadh gu’n cuidicheadh an t-aon eile leis. Thachair e ann am blar fuilteach gm ’n do leonadh an t-Albannach le peileir air an leis, agus ghrad ghlaodh e ri ’charaid Eireannach air son cuideachaidh. Thog Pat suas air a ghuaillibh e, agus d’ fhalbh e leis chum an leigh. An uair a bha e air an t-slighe sguab peileir eile an ceann dhe ’n Albannach bhochd, gu ’n fhios, gu’n aire d’a chompanach. Chunnaic an leigh an t-Eireannach a’ giulan na closaich gun cheann, agus thubhairt e ris, “C’ ait am bheil thu ’dol le sin, a Phat?” “C’ ait am bheil mi ’dol? Co a chual riamh a leithid, c’ ait ach chum an leigh, gus an leighisear an duine truagh a leonadh co searbh?” “Ach, a’ charaid,” deir am fear eile, “am bheil thu ’faicinn gu’m bheil thu ’giulan closaich gun cheann?” “Ochan! mo thruaigh an gnothuch cianail! tha mi ’faicinn sin a nis, ach smuainich air na breugaibh eagallach a labhair an droch-fhear rium; oir co cinnteach ris a’ bhas, dh’ innis e dhomhsa gur ann a leonadh e le peileir ann an lag na sleisde.” MUR.—Is e fior Eireannach a bha ’s an fhear sin gun teagamh, a Choinnich, an uair a bha e an duil gu ’n robh comas aig fear gun cheann labhairt ris, agus na breugan a chur an ceill da. Ach chuala mise mu Eireannach eile a bha cheart co iongantach ris rn t-saighdear sin, agus innsidh mi dhuit m’ a thimchioll. COIN.—Tha sin ceart, a Mhurachaidh; ach rach air d’ aghaidh, agus cluinneamaid ciod a thachair. MUR.—Bha Eireannach bochd, luideagach aon la ag imeachd air a shocair, agus a’ gabhail an rathaid-mhoir a’ feadaireachd dha fein. Ghrad chomhlaich e tarbh mor, fiadhaich, aig an robh suilean a’ lasadh mar theine leis a’ chuthach a bha air. Ann am priobadh na sula, leum e air an duine thruagh, thog e suas air adhaircibh e, agus le aon bhras-upag, thilg se e thar garadh-cloiche a bha ri taobh an rathaid. Air do ’n Eireannach bhochd eirigh air a chosaibh mar a b’ fhearr a b’ urrainn e thilg e suil air an ainmhidh fheargach agus chunnaic se e le ’shroin air an lar, a’ sgriobadh agus a’ reubadh suas na talmhainn le ’chois thoisich, mar is cleachd le bruit ’s an staid sin a dheanamh. Rinn Pat bochd snodh-gaire, ’n am da a bhi ’crathadh a chuid luideag, agus a’ tionndaidh ris an tarbh, thubhairt e, (Air a leantuinn air taobh 7.) [TD 364] [Vol. 4. No. 46. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, MAIGH 23, 1896. Tha ’n cath eadar an da phàirtidh air son riaghladh na dùthcha a dol air adhart, agus a’ fàs na’s teotha gach latha. Tha gach taobh a’ cur rompa gu’n toir iad buaidh, ach cha bhi fhios co aca tha ceart gus an treas latha fichead dhe’n ath mhios. Cha’n eil teagamh nach e so taghadh a’s iomraitiche a bh’ ann o chionn fhada. Bu chòir do gach duine aig a bheil guth ann an taghadh fir pàrlamaid e féin a dheanamh eòlach air na ceistean cudthromach a tha cur dealachadh eadar an da phàirtidh, agus an sin a bhot a thoirt do’n taobh a shaoileas e bhios ceart. Tha eagal oirnn gu bheil tuilleadh ’sa chòir de’n luchd-taghaidh anns gach cearna de Chanada nach eil a’ rannsachadh nan nithean so mar bu chòir dhaibh, agus a tha uime sin car dall a thaobh ciod is còir dhaibh a dheanamh. Cha bu chòir sin a bhi mar sin idir. Bu chòir do gach aon a bhi eòlach air gach oùis a tha faotainn aire nam pàirtidhean, agus an sin rachadh aige air breith cheart agus chothromach a thoirt orra. Tha e coltach gu bheil na Spàinnich ’nan éigin ann an Cuba le cion airgeid. Tha ’n t-airgead a tha ’n lamhan cheannardan an airm gu teirgainn agus cha n fhaigh iad dad air chreideas, oir ri linn a chogaidh mu dheireadh a bh’ aca ’n Cuba (bha iomadh ceannairc anns an eilean roimhe so) fhuair iad moran bidh us aodaich us nithean eile air chreideas nach do pháigh iad fhathast. Tha aon fhear-reic chungaidhean-leighis aig a bheil deich mile fichead dolair orra, agus cha toir fiach sgillinn dhaibh gus am pàigh iad e. Tha na saighdearan mar an ceudna a’ fàs mi-thoilichte; oir cha d’ fhuair iad an tuarasdal o chionn tri miosan. Tha cuid dhuibh a’ creic an cuid fùdair us luaidhe ri càirdean nan ceannairceach, agus mar sin a neartachadh an naimhdean. Tha e gle choltach nach urrainn do ’n chogadh-mairsinn moran na’s fhaide, agus bu mhath an gnothuch na’n tigeadh crioch air air dòigh-eigin. Cha robh ach aon bhoirionnach ann am priosan an Stàit Mhichigan am bliadhna, agus leig Riaghladair na Stàite m’a sgaoil i. Bha i an sàs air son a triùir chloinne féin a phuinnseanachadh, agus cha do thoill i mathanas a thort dhi. Ann an Canada, cha’n eil cumhachd aig aon sam bith murtair no meairleach no fear droch-bheairt a leigeil m’a sgaoil ach aig an Ard-riaghladair a mhàin. Cha’n eil an cumhachd sin air a thoirt do Riaghladairean nam mor-roinnean, agus cha’n eil e iomchuidh gu m bitheadh. ’Nuair a tha lagh agus ceartas a’ faotainn duine no bean ciontach, agus a toirt a mach binn, cha bu chòir e bhi idir soirbh a bhinn sin atharrachadh. Tha Ban-Iompaire Japan an deigh sgur a chosg deise na dùthcha aice féin, agus tha i nise ’cosg ghùintean mar a th’air an cosg le mnathan na h-Eòrpa. Tha i ag radh gur h-iad na gùintean sin ’na barailse an t-aodach bhoirionnach a’s briagha th’air an t-saoghal. Litir Bheag Mhath. NO CHARAID GASDA:—Tha mi cur g’ ad ionnsuidh paigheadh do phaipeir air son bliadhn’ eile, dolair bho Eoghan Mac Eoghain, agus dolair bhuam fhéin. Cha’n eil fhios agam cuin a bha bhliadhn’ a bha pàidht’ againn a mach. Bu chòir dhuit dòigh-eigin a dheanamh air am biodh fios aig gach aon de luchd-gabhail a phaipeir cuin a bhiodh an t-àm aca pàigheadh. Tha mi gle thoilichte gu bheil a dol agad air am MAC-TALLA chumail suas, agus gu bheil thu dol ’ga mheudachadh. ’S iomadh Gàidheal nach leughadh Gàilig mu’n d’ thainig MAC-TALLA a leughas i gu math an diugh. Is mise do charaid dileas. DOMHNULL MAC DHIARMAID, Maxville, Ont., 13, 5, ’96. SEALL A MACH. Air son STOR UR TAILLEARACHD, a tha ri bhi air a fogsladh air an ath mhios ann an STOR W. E. PETERS. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 365] [Vol. 4. No. 46. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh gille do’m b’ ainm Iain L. Steel a ghoirteachadh gu dona ann an Seana Bhridgeport a sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Chaidh a bhruthadh eadar da bhocsa guail, agus chaidh cnaimh na h-amhaich aige bhristeadh, agus a dhruim a ghoirteachadh. Shil frasan briagha uisge air an t-seachdain so. Bha stoirm thàirneanach ann Di-luain agus thuit deàrsach a rinn feum mor dh’ an talamh an deigh na tionrmachd. O’n bhrist air an tiormachd, bi’dh dòchas againn gu’m bi uisge gu leòr a’ sileadh an deigh so, agus gu faigh gach ni a theid a chur cothrom air fàs. Tha Di-luain ri bhi air a chumail mar latha-breith na Ban-righ. ’Se màireach co-ainm a latha-breith, ach thatar a meas iomchuidh latha dde’n t-seachdain a chur air leth. Bidh na bùithean ’s na taighean-gnothuich air an dùnadh, agus gheobh na cléirich ’s gach duin’ eile cothrom air latha-féille a bhi aca. Tha Dinneir gu bhi aig a’ Chomunn Chaledòineach feasgar Di-luain s’a tighinn ann an Tigh-Osda Shidni, aig seachd uairean. Tha dùil ris a chuid a’s motha de bhuill a Chomuinn a bhi aig an dinneir, agus àireamh de dh’aoidhean còmhla riutha. ’Si so a’ cheud dhinneir a bh’ aig a Chomunn o’n chuireadh air chois e. Cha d’ fhuaireadh corp fear de na daoin’ òga a chaidh bhàthadh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh fhathast. Tha moran dhe’n bharail gu bheil sgiobair an t-soithich air an robh e coma cò dhiubh gheobhair e no nach fhaigh. Chaidh am fear eile a thiodhlacadh anns a Chladh Chaitliceach an Sidni Tuath. Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha na seirbheisean àbhaisteach ann ré na seachdain. Bha an t-Urr. Mr. Forbes air a chuideachadh Dior-daoin leis an Urr. Uilleam Grannd, á Port Morien, agus na lathaichean eile leis an Urr. Alasdair Ros, ministeir Hogomah. Bha an stoirm a bh’ ann Di-luain gle throm timchioll air Sidni Tuath. Bhuail an dealanach faisg air dithis no triùir de dhaoine a bha ’g obair air laimhrig a ghuail, agus bha fear dhiubh air a lagachadh cho mor leis ’s gu’m b’ fheudar a chuideachadh dhachaidh. Bhuail an dealanach soitheach a bha ’s an acarsaid, agus chuir e fear de na croinn aice ’na spealgan. Chaidh gille òg do’n ainm Uilleam Smith, aois shia bliadhn’ deug, a ghlacadh air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi goid nithean as an Tigh-òsda. Fhuaireadh moran de na ghoid e air a shuibhal agus anns an tigh ’san robh e fuireach, agus bha iuchraichean aige a dh’ fhosgladh cha mhòr gach dorus anns an tigh-òsda. Chaidh a thoirt gu cùirt Di-satharna, agus thug am Breitheamh Dodd dha da bhliadhna gu leth dhe’n tigh-obrach. Sealladh iadsan aig a bheil cloimh ri reic, a mach airson Sanas bho H. D. Mac Illemhaoil, an Nyanza. Tha e a’ creic aodaichean nan Eureka Mills, aodaichean cho math ’sa tha ’n Canada, agus a’ gabhail cloimhe nan coinneamh. Reic e an uiridh fiach ceithir cheud deug dolair air son clolmh, a bharrachd air na reic e air son airgeid. Tuilleadh anns an ath àireamh. Tha cuidh de na mèinnean ag obair gu trang a nise. Tha dùil aig Cuideachd a Ghuail ochd ceud mile tunna a chur a mach re nan còig miosan a tha tighinn. Tha mèinn Ghowrie am Port Morien gun a bhi deanamh moran, agus tha Mèinn Victoria ’na tàmh o’n thainig an samhradh le uisge bhi tigh’n a stigh oirre. Fhuaireadh piob-thaomaidh ùr gus an t-uisge thoirt aisde, ach cha dean e ’n gnothuch idir. Tha so ’na chall mor dhaibhsan a tha ’n earbsa ris a mhèinn air son am beòlaind. Cha robh Newfoundland o chionn iomadh bliadhna air a chuartachadh leis an deigh mhòir cho fada ’sa bha e air a’ bhliadhna so. Bha acarsaid St. John’s dùinte fad thri seachdainean, agus cha b’ urrainn soitheach falbh no tighinn. Cha d’ fhalbh an deigh o bheul na h-acarsaid gu meadhon na seachdain s’a chaidh. An duine ni innleachd air an deigh mhor a chumail air falbh, cuiridh e comain mhor air muiuntir Newfoundland agus na dùthcha so. Ach tha eagal oirnn gu ’m bi treis mu’n tig e. Thainig Sir Tearlach Tupper, agss a mhac Sir Tearlach Hibbert Tupper, do Cheap Breatunn Dior-daoin. Rainig iad Sidni tràth ’sa mhaduinn, agus labhair iad le chéile ann an Talla na Siorrachd aig leth-uair an deigh a tri. ’San oidhche chaidh iad a mach do Glace Bay, agus labhair iad an sin. Dh’ fhalbh iad á Sidni a rithist ’sa mhaduinn an dé. Cha bhi e comasach do Shir Tearlach a bheag a dh’ ùine a chur seachad anns an t-siorrachd so roimh latha ’n taghaidh, oir tha aige ri labhairt ann an iomadh àit eile. Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air fear Uilleam Mac Coinnich a bha fuireach air Beinn-nan-Gearrloch, agus a bha faisg air ceud bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Faodaidh sinn a radh gu robh ’n t-iomradh a thug sinne air a thoirt an toiseach ann am fear de phaipearan New Glasgow, agus an deigh sin chaidh a chur ann an àireamh a phaipearan eile, ’s am MAC-TALLA measg chàich. Ma tha Mr. Mac Coinnich beò thug sinn sgeul a bhais d’ ar luchd-leughaidh air a mhios mu dheireadh dhe’n bhliadhna dh’ fhalbh. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont. MAIGH, 1896. 1 Di-haoine. A Bhealltuinn. 2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica. 1494. 3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge 4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m. 5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873 6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776. 7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46. 8 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 7.7. 9 Di-sathairne 10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge. 11 Di-luain 12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar. 13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin, 1812 14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh. 15 Di-haoine 16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain. 17 DI-DONAICH. An fheill Chatain. 18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843. 19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411 20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506. 21 Dior-daoin. Ceannairc ’sna h-Innsean, ’57 22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad 23 Di-sathairne 24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis. 25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28. 26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar. 27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28. 28 Di-daoin. Comunn Gal’ach Lunnain 1778 29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660 30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596. 31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid. Leabhraichean Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 [TD 366] [Vol. 4. No. 46. p. 6] FACAL MU’N GHAILIG. Far a’ bheil fior Ghaidheal cha ’n e idir eun is isle tha ’s an ealtuinn, cha ’n e meanglan is mi-thorraiche tha ’s a gheig. Ach far a bheil Gaidheal a tha ceiltinn a dhaimh ’s a tha feuchainn a thoirt a chreidsinn air daoine gu bheil e gle ghallda, cha ’n ’eil ann ach creutair bochd a’ salach’ a nid ’s an deachaidh arach, agus a di-moladh na carraig as an deachaidh a shnaidheadh. Chuala mi cuid de ’n t-seorsa ud ag radh:—“Ciod e feum a bhi cumail suas na Gaidhlig—tha i dol bas co-dhiubh—agus ged a bhiodh i beo re tamuill ciod e feum a tha innte gu faighinn air aghaidh ’s an t-saoghal?” Faodaidh e bhi gu bheil a’ Ghaidhlig a basachadh ach ma tha, tha i gabhail a h-uine. Thoisich i ris an deo a thilgeil (ma’s fhior do luchd na Beurla) ann an Albainn ann an laithean Chaluim a’ Chinn-mhoir—agus cha b’ e sin an de—gidheadh tha i beo fathast. Faodaidh e bhi gu bheil canainean eile ann is fearr a phaidheas, leis a mo ’n dean daoine dh’ airgiod. Ach an e airgiod crioch araid an duine? Na nithean is maisiche tha ann cha ghabh iad reic no ceannach, tha iad thar luach, solus na greine, ditheana na macharach, failidhean cubhraidh an t-samhraidh, torman nan allt, am bheil na nithean ud ’nan neoni a chionn nach urrainn duinn a bhi ’g an reic ’s ’g an ceannach, mar gu ’n ceannaicheadh tu each, no damh, no poca cloimhe? Tha na nithean ud mar ola chubhraidh air a dortadh a mach, cha ghabh a luach a bhi air a thomhas ann am puinnd Shasunnach; agus air a’ cheart doigh tha luach agus mais agus brigh ann ar canain mhathaireal—’na litreachas, ’na beul aithris, ’na sean-fhocail, ’na h-eachdraidh, ’na ceol a tha eadar-dhealaichte bho shalachar an t-saoghail so—agus cha dubhairt mi nach ’eil luach saoghalta ann an eolas air a’ Ghaidhlig cuideachd. Cha chreid mi nach biodh e na bhuannachd do iomadh aon aig a bheil an comhnuidh an an tir nam beann—ministearan, doctairean, luchd-lagha, maighistearan-sgoile—’nam biodh comas labhairt aca gu h-ealanta, agus gu gleusda anns a’ chainnt a ruigeas cridhe gach Gaidheil air thoiseach air gach cainnt eile. Am measg nan uaislean ann an Japan, cha’n eil e air a mheas ceart no dòigheil each a ghluasad na’s luaithe na coiseachd ’nuair a bhithear ’ga mharcachd. Uinneagan Fosgailte. Nach muladach an ni a bhi còmhnuidh ann an tigh gun uinneig, mar a tha moran dhe’n t-sluagh bhochd ann an dùthchannan na h-àirde ’n ear. Feumaidh an solus, an t-àileadh, agus gach sealladh air na tha mach tigh’n uca troimh ’n dorus. ’N uair a dhùinear an dorus tha an tigh dorcha. Faodaidh neach suidhe stigh, agus an deigh sin moran fhaicinn agus ionnsachadh troimh na h-uinneagan fosggailte. Bidh sinn gu tric a’ cluinntinn iomradh air dorsan fosgailte ’s ’g an samhlachadh ri cothroman a bhios againn air math a dheanamh. Smaoinicheamaid mar an ceudna air uinneagan fosgailte a leigeas a stigh solus agus eòlas. Cha’n eil e daonnan ’nar comas a dhol a mach a chur an gniomh na bu mhath leinn, ach ’s ainneamh an t-àm nach urrainn duinn sùil a thoirt a mach agus nithean fhaicinn. An sin faodaidh sinn a bhi beachd-smaoineachadh air na chunnaic sinn, agus a bhi ullamh gu dhol a mach ’nuair a thig an t-àm. Tha leobhraichean dhe’n t-seòrsa cheart ’nan uinneagan fosgailte dhuinn. Tha iad a’ nochdadh dhuinn na tha dh’ easbhuidh air muinntir eile, agus a’ leigeil a stigh gathan iongantach de dh’ eòlas ioma-seòrsach. Tha leobhraichean matha a’ fosgladh ar n-uinneagan ri néamh, agus a’ suidheachadh ar n-aignidhean air na nithean a tha shuas. Biodh ar n-uinneagan fosgailte, agus na deanamaid dearmad air amharc trompa. Thig eòlas air nithean o’n taobh a mach ugainn an toiseach, agus an sin faodaidh an dorus fosgladh, agus théid àithne dhuinn ni-eigin a dheanamh. Dughlas. Ann am blàr Otterburn, ’sa bhliadhna 1388, bha ’n t-Iarla Dùghlasach air a leònadh, agus ’nuair a fhuaireadh ’na ehineadh e chaidh fheòrach dheth ciamar a bha dol dha. “Taing do Dhia,” ars esan, “tha mi faotainn a bhàis mar a fhuair a chuid bu mhò dhe m’ athraichean, cha’n ann air mo leabaidh, ach air an àrfhaich. Tha tri nithean a tha mi ’g àithne dhuibh a dheanamh—diolaibh mo bhàs, oir cha’n eil dòchas sam bith agam gu’m bi mi beò; togaibh suas mo bhratach, oir tha ’m flath a bha ’ga giùlan air tuiteam; agus leanaibh air éigheach ‘Dùghlas! Dughlas!’ a chum ’s nach bi fios aig caraid no idir aig nàmhaid gu’n do mharbhadh mi. Na ’n robh fhios agam gu’m biodh na nithean so air an deanamh, gheobhainn bàs gu toileach, oir chuala mi o chian fàisneachd a bha ’g radh gu’n toireadh duine marbh a mach buaidh-làraich, agus tha mi ’g earbsa ri Dia gur-a mise ’n duine marbh sin.” Rinneadh mar a dh’ àithn e, agus thug an “duine marbh” buaidh, oir cha do chaill na h-Albannaich anns a’ bhlàr ach mu tri cheud duine, agus chaill na Sasunnaich ochd ceud deug. SLUAGH SIAM.—Tha teachdaire a tha o chionn àireamh bhliadhnaichean ann an Siam a’ sgriobhadh mar a leanas a thaobh an t-sluaigh. ’Nuair a thainig sinn do’n dùthaich an toiseach cha robh bean no nighean anns a cheud comasach air leughadh, ged a bha na gillean a faotainn teagaisg ann an leughadh ’s an sgriobhadh o na sagairt anns na teampuill. Aon latha thainig caileag bheag, mu dha bhliadhn’ deug a dh’ aois, dh’ an bhàt againn a dh’ amharc air na coigrich, agus air dhuinn fheòrach dh’i an rachadh aice air leughadh, cha d’ thuirt i gu’n rachadh no nach rachadh, ach sheall i oirnn le ioghnadh ag radh, “’Se nighean a th’ annamsa!” mar gu’m bu chòir dhuinn a bhi na bu tùraile na gu’n cuìreamaid a leithid a cheist oirre. Anns a’ Ghearmailt ’nuair a gheobhair duine ciontach de bhì gabhail air a bhean, leigear leis a dhol gu ’obair gach latha mar a b’ àbhaist da, ach ’s i ’bhean a gheobh an tuarasdal, agus théid a dhùnadh a stigh ’sa phriosan bho oidhche Di-satharna gu maduinn Di-luain. Leanair air a pheanaisteachadh mar sin fad dheich seachdainean. Thoir a cheartas fhein do gach neach. Na dean iasg de ’n dara neach agus feòil de ’n neach eile. Thoir ’àite fhein do gach neach. Ma ni thu so cha chum thu comunn ris a h-uile neach. Cha ’n urrainn thu comunn a chumail ris an olc agus ris a’ mhath. Cha ’n ’eil feum sam bith teannadh ri comhairle a thoirt air daoine anns nach ’eil reusan. Cha ’n ’eil iad ann an staid inntinn anns an tuig iad reusonachdh. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. [TD 367] [Vol. 4. No. 46. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 3.) “A bheist ghrannda, chrosda, mur faicinn thu a’ striochdadh, a’ sgriobadh, agus a’ deanamh mor-umhlachd air an doìgh sin, air m’ onoir gu ’n saoilinn gu ’n robh thu ann an da-rireadh, an uair a thilg thu mi thairis air a’ gharadh.” COIN.—Nach b’e am blaomasdar gun ’cheill e, le bhì ’n duill gu ’n robh an tarbh a’ deanamh umhlachd dha, an uair a bha e ’n a chas-fheirg, a’ sgriobadh suas an rathad-mhoir. Bu mhaith dha nach deachaidh e ’s an am a dheanamh suas na reite ris an ainmhidh fheargach, oir bu ro chinteach gu’n tilgeadh se e an dara uair thar mullach a’ gharaidh, mur deanadh e na bu mhiosa air. MUR.—Moran taing dhuit, a Choinnich, is neonach, ach is taitneach do sgeulan Eireannach, agus tha mi an dochas nach do theirig iad uile fhathast, agus gu ’m bheil la maith eile a’ teachd. Ach ciod an carbad a chaidh seachad le leithid de ghleadhraich? Seall a mach agus faic. COIN.—A Mhurachaidh, ’s e carbad Shir Seumas a th’ ann. Cha ’n fhac’ mi riamh ni ’s fearr. Stadaidh iad aig an Tigh-gheal a bheathachadh nan each. Gheibh mise dhachaidh maille riu, agus caomhnaidh sin iomadh ceum coiseachd dhomh. Greas ort do ’n Ghoirtean-Fraoich, a charaid ionmhuinn, agus altaichidh Seonaid do bheatha. Gabh mo leisgeul air son a bhi ’dealachadh riut co cabhagach, ach comhlaichidh sinn an ath-ghoirid. Slan leat! le moran bheannachd dhoibh-asn gu leir aig a’ bhaile. Slan leat! ALASDAIR RUADH. Ann am Breatuinn tha aig pàrantan ri ainmean an cloinne a chur air leobhar-cuimhne na sgireachd anns am bi iad an taobh a stigh de shia seachdainean an deigh am breith, agus mur dean iad sin, cuirear càin orra. ’Nuair a rugadh Diùc Dhùn-Eideann, darra mac na ban-righ, cha do chuireadh ainm air an leobhar ann an àm, agus b’ fheudar dh’a mhàthair càin seachd tasdain us sia sgillinn a phàigheadh. Feumaidh a bhan-righ cumail ris an lagh cho math ri muinntir eile. Ged bha Morair Wolsley anabarrachd fortanach ’s ged a bha buaidh mhor leis, ’s gann gu robh e ann am blàr riamh gun a bhi air a leònadh. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 368] [Vol. 4. No. 46. p. 8] ORAN NAM FINEACHAN A FHUAIR AM FEARANN AIR AIS O’N RIGH, SA’ BHLIADHNA 1782. (Le Donnacha Ban.) AIR FONN—“An am dol sios bhi deonach. Tha sgeul ùr an tràth so ’s dùthaich, ’S chuir e sunnt ro mhòr oirnn; Gu’n d’fhuair ar càirdean, mar a b’àbhaist, Bhi ’nan àite còmhnaidh: Gach fearann àr-bhacaicht’ a bh’ann, O linn a Chàmp’ bha gòrach, Rinn na h-aithrichean a chall; Ach fhuair a chlann an còir air. ’S mòr an sonas anns an rìoghachd, Rìoghalachd na h-òigridh, A gluais gu feum, ri guaillibh chéile, ’S iad gu léir cho deònach; Cinn-fheadhna threun, le’n daoine féin, Gach réiseamaid an òrdugh, Le cliù gun chéilg, ’s le dùrachd dearbht’, B’ e ’n rùn bhi ’n seirbheis Dheòrsa. Na laoich ghasta dh’éirich leat, Do dh’fhior fhuil cheart Chlann-Dòmhnuill, ’S lìonmhor gaisgeach treubhach, tapaidh, A thàin’ a mach ’gan còmhnadh: Bha buaidh a’s feart, nan ruag, ’s nam feachd, Na dhualchas ac’ o’n seòrsa; Dol suas gu bras, le luathas nan cas, ’S an cruaidh-lann ghlas ’nan dòrnaibh. ’S lìonmhor lasgair thig o’n Apuinn, Pìobach, bratach, sròlach, Fir chalma ghasta, a’s arm ’nan glaic, Cho acuineach ’s bu chòir dhaibh; Bhiodh luaidh a mach le fuaim nan snap, A’ bualadh chlach ri òrdaibh, Aig sluagh le’m fasan cruadal ceart, ’S a fhuair a chleachdadh òg dhaibh. ’S sunntach, meamnach, treubhach, ainmeidh, Cam-Shronaich o Lòchaidh Fir threun gun chealg, le’m beus bhi garg, ’S iad-féin a dhearbh gu leòir dheth; Bhiodh gleus an arm ’nan éibhlean dearg, ’S lann gheur gun chearb ga chòir sin, Bhiodh reubail marbh an déigh an sealg, ’Nuair dh’ éireadh fearg nan òigear. ’S lìonmhor curaidh thig á Dhrumain, Feumail ullamh, òrdail, Eadar muilleann Uisge-Thurraid, Agus mullach Mòr-bheinn; Leis nach duilich dol an cunnart, Tìr a’s muir a sheòladh: ’S fhuair iad urram bualadh bhuillean, Anns na h-uile còmhdhail. Tha sàr cheann-feachd is làidir taic, A thig o’n Chaisteal-Leòdach, Le pàirtidh cheart, ’s iad àrd nam beachd, A dh’ fhàs gu reachdmhor, fòghluimt,. Tha ’n lebhi paillt a dh’ éireadh leat, Gu feum do neart a chòmhnadh; ’S bhiodh pìob an gleus a’s ceann an fhéigh, Le crann a’s bréid an t-sròl ris. Thig o’n Mhor-fhaich còmhlain bhorb, A théid le foirm an òrdugh, Gu dàna, colgail làn air storbadh, ’S arda stoirm an t-seòrs’ ud; Dol luath ’nan éideadh, cruaidh ra’m feuchainn, Ciall da réir an cémhnaidh; Aig sluagh nach géill, tha buaidh ’nan déigh S an uaisle fòin ga chòmhdach.’ Thig laoich bharraicht á Cinn-alla,’ ’S àrd an air’ air mòrchuis, Air mheud na carraid, beus nam fear ud, Gleusdachd far an còir dhaibh; An cliù bh’ aig sinnsireachd nan gallan Cha chaillear ra’m beò e, Daoine rìoghail, dìleas, daingeann, Fìor ’nan gealladh-còmhraidh. Thig Clann-Ghriogair le sàr mhisnich, Anns a’ mheas ’m bu chòir dhaibh, Gu prìseil, àghor, lìonor, làidir, Rìoghail, stàtail, pròiseil; Chaidh riamh ’s gach àite dian ’sna bhàraibh ’S gnìomh an laimh a chòmhdach; ’S iad árd ’sa’ chùirt le ’n ainm as ùr, Ged thugadh dhiù ’n Gleann-freòin e. Thig o Chluainidh sàr dhaoin’-uaisle, Thàirngeas suas gu seòlta, ’S fad o’n chualas gu’m b’e’n dualchas, Buidhinn buaidh a’ chòmhraig; Teine ’s luaidhe, ’s lamhan luatha. Far an gluais iad còmhladh, Ruith na ruaig air an luchd-fuathadh, ’S an cur uatha brònach. Thig o Shrùthan na fir ùra, Làidir, lùghor, eòlach, ’S o’n dù-ghiùbhsaich thèid gu siùbhlach, Ann an tùs na dòrainn: Luaidh a’s fudar chur na smùidean, A’s fuil na brùchd a’ dòrtadh, Claidhean-cùil a bhi ’gan rùsgadh, ’S ruith gu dlù ’san tòireachd. Thig na Cananaich ’nan deannaibh, ’S iad a’ tional còmhla, Théid ceart ’sa-chabhaig, ’s neart da’n caraid, An dream is fearail dòchas: Ge b’e theannadh riu le falachd, Bhiodh am baraìl gòrach. ’S mairg ri’n tachradh an am gaisgidh, Aghaidh neart nan còmhlan. ’S éìdeadh arraiceach treud na h-Alba, Dh’éireadh sealbh gu leòir dhaibh, Gu’m feud iad falbh gu saor fo ’n armaibh, A’s eudach ball-bhreac, bòidheach: O’n thraogh gach fearg, a thaobh gach cealg, Sean argamaid a thòisich, Tha gaol g’a dhearbhndh ’s feudar earbs’, A’ deagh luchd-leanmhainn Dheòrsa. ’S mòr an onoir th’aig’ an rìgh, Rinn dìllsean d’a luchd-fògraidh, Thug dhaibh a’ rìs, gach àite prìseil, Anns gach tìr tha m’eòlas, A bh’ aig an sinnsireachd fo chìsean, A chaidh ga’n dìth le fòineart; ’S math an dùrachd th’ aig gach dùthaich, A’ toirt cliù d’a mhòrachd! Na cinn chéille ’s fearr fo ’n ghréin, Le ’n inntinn fèin a thòisich, Ri gniomh an fheum a luaigh gu léir, ’S a chuir an céill gu’n sòradh, Le flathan féille, a labhair reusan A ghleidheadh stèidh na còrach; Fhuair gach òighre an ni, ’san staoile. An soibhreas, ’san cuid stòrais. Thàinig còir, a’s dh’fhalbh an eu-còir, A’s leum ar crìdh’ le sòlas, Tha uaislean treun ’san uair so féin, Gu h-uallach, eutrom, ceòlmhor: Tha ’n tuath ri sèideadh suas tein’-éibhinn Air na sléibhtean mòra: So a’ bhliadhna chrùn an réite, Sin an sgeul tha còmhdaicht’, So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 369] [Vol. 4. No. 47. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 30, 1896. No. 47. NA BREUGAN. Their cuid nach’ eil iad a’ deanamh bréige aig àm sam bith; ach feumaidh iad aideachadh gu bheil iad a’ gabhail tlachd anns a’ bhreig. Falbhaidh iad o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile a dh’ aithris nam breug a ni càch, agus bheir iad orra fhein a chreidsinn nach ’eil iad a’ deanamh croin sam bith. Ach tha iad gu mòr air am mealladh. “Oir an taobh a muigh tha madraidh, agus luchd-druidheachd agus luchd-striopachais agus luchd-mortaidh, agus luchd-iodhol-aoraidh, agus gach neach a ghradhaicheas agus a ni breug.” Cò iadsan, ma ta, a ghràdhaicheas breug? Tha iadsan a dh’ aithriseas i agus a dh’ éisdeas rithe le tlachd. Dh’ éisd Adhamh agus Eubha le tlachd ris a’ bhreig a dh’ innis an nàmhaid dhaibh, agus an ùine ghearr thionndadh a mach a gàradh Eidin iad. Chaill iad beannachdan aimsireil agus spioradail air tàilleamh cluas a thoirt do’n cheud bhréig a labhradh air an talamh. Dh’ fhuadaicheadh iad a mach a gàradh Eidin, agus mhallaicheadh an talamh air an sgàth. Ged a bha so ’na chall mòr dhaibh bu shuarach e an coimeas ris na chaill iad gu spioradail. Fhad ’s a ghleidh iad an ceud inbhe bha co-chomunn milis aca ri Dia. Ach an uair a chreid iad a’ bhreug chaill iad an co-chomunn a bh’ aca ris. So mar a thachair, agus mar a thachras do na h-uile a ghràdhaicheas agus a ni breug. Ach tha e ’na ioghnadh le mòran nach ’eil a’ bhreug a leth cho gràineil ann an sealladh an t-saoghail ’s a tha’ mheirle. Gabhaidh lagh na rìoghachd greim air neach ged nach goideadh e ach fiach sia sgilinn. Ach tha na breugairean a’ faotainn cead an coise mar nach biodh iad ciontach a dh’ olc sam bith. Bu chòir gu’m biodh an lagh a cheart cho fada an aghaidh a’ bhreugaire ’s a tha e an aghaidh a’ ghadaiche, oir is e ’m breugaire a’s cunnartaiche na ’n gadaiche. Theid aig neach air e fhein a dhion o’n ghadaiche; ach cha ’n urrainn duine sam bith e fhein a dhion o’n bhreugaire. Cha toir an gadaiche uainn ach ar maoin; ach bheir am breugaire uainn ar cliù, ni mile uair a’s luachmhoire na ar maoin. B’ iomadh fàidh agus fìrean a fhuair an sàruchadh gu mòr, do bhrìgh gu’n do sheas iad gu dìleas air taobh na fìrinn, agus gu’n do chronaich iad luchd-deanamh an uilc, mar a bha còir aca air a dheanamh. Bu chòir dhuinn uile ar ceart aire a thoirt nach dean sinn na breugan, agus nach toir sinn cluas no geill dhaibhsan a tha ’g an deanamh ’s ’gan innseadh. Cumamaid an còmhnuidh fa chomhair ar n-inntinn gur ann le cluais agus géill a thoirt do na breugan a thug Adham agus Eubha mallachd orra fhéin agus air an sliochd nan déigh. Ma bheir sinne cluas no geill do chainnt luchd-labhairt nam breug, bheir sinn olc do-labhairt oirnn fhein mar an ceudna. A mach o chumhachd gràis Dhé cha ’n ’eil dòigh air an t-saoghal a’s fhearr air son am breugaire a chur ’na thàmh na gun suim sam bith a chur ’na chainnt. An uair a sguireas càch dhe ’eisdeachd Sguiridh fear nam breug a labhairt. Ach is i a’ chùis a’s bochda gu bheil iad ro lionmhor anns an t-saoghal aig am bheil tlachd ro mhòr do no breugan. Saltraidh iad an fhìrinn anns a’ pholl, ach aithrisidh iad a’ bhreug le gàirdeachas anns gach àite am bi iad. IAIN. Teagasg na Gailig. Tha Seanadh Oil-thigh na h-Eaglais Chléireach ann am Montreal a toirt oidhearp an dràsda air teagasg na Gaidhlig a bhi air a stéidheachadh anns an Oil-thigh. Thatar a’ teagasg na Gàilig ann o chionn shia bliadhn’ deug, rud nach eil air a dheanamh ann an oil-thigh eile an Canada, no an America. ’Se ’n t-Oilear a bh’ aca, an t-Urr. Niall Mac-na-h-Innse, ann an Cornwall, an Ontario, sgoilear Gailig cho math ’sa tha ’n America, agus a tha làn chomasach air deagh theagasg a thoirt do fhòghlumaichean Gàidhealach ann an cainnt am màthar. Bha gach ni mu theagasg na Gàilig roimhe so a cosg da cheud gu leth dolair ’sa bhliadhna, agus bha sin air a thoirt á maoin an Oil-thigh. Tha an Seanadh a nise air son suim airgeid a thional a bhios cho mor ’s gu’n dean an riabh aige suas na bhios a dhith orra gach bliadhna air son an teagasg a chumail air adhart. Tha iad ag iarraidh air a chuid is lugha còig mile dolair a bhi air a chur cruinn, ach tha iad an dòchas gu faigh iad a dha uiread sin. Eadar Ontario, Cuibeic, ’s na Mor-roinnean Iseal, tha mu cheud gu leth coi-thional dhe ’n Eaglais Chléirich a tha cur feum air Gàilig, agus tha moran dhiubh aig an àm so gun mhinisteir. Tha na ministeirean a shearmonaicheas Gàilig gann, agus tha Seanadh an Oilthigh so ri ’m moladh air son na h-oidheirp chliùitich a tha iad a toirt air an àireamh a chur am meud. Tha sinn an dòchas gu’n dean na Gaidheil anns gach cearna de Chanada cuideachadh leotha gu fialuidh; gu’m fosgail iad an cridheachan ’s an sporain do’n deagh aobhar. Ma ni iad sin bi’dh teagasg na Gàilig air a dheanamh cinnteach ann an Oil-thigh Mhontreal, agus ’nuair a bhios sin mar sin, cha’n eil teagamh againn nach lean Oil-thighean eile air a’ luirg. Bu mhath gu’n leanadh. Ann am Breatuinn, tha càraid a’ dealachadh mu choinneamh gach coig ceud ’s tri fichead us seachd deug a tha posadh. Anns an Fhraing tha càraid a’ dealachadh mu choinneamh gach ceithir fichead ’sa seachd a tha posadh, agus ann am baile mor Pharis, tha càraid as na tri deug a dealachadh. Cha’n eil an ceangal-pòsaidh ach glé shoirbh a bhristeadh anns an Fhraing. [TD 370] [Vol. 4. No. 47. p. 2] Mar a dh’ eirich Clann Domhnuill Ile. [Fhuair mi an sgeula so ann an seann phaipear Gaidhealach agus ma chordas i ribh faodaidh sibh a cuir ann am MAC-TALLA.—Margaree.] Mu’n d’ eirich na Domhnullaich bha Ile comhla ris na h-eileanan Gaidhealach eile fo na Lochlunnaich, agus bha an t-eilean so mar chomharra ac’ an uair a bhitheadh iad a’ dol ’s a’ tighinn a Eirinn. Aig am iomachaidh de’n bhliadhna bha e ’n a chleachdadh aig Righ Lochlunn a bhi tighinn do dh-Ile le a theaghlach air son na seilg. Bha fear anns a chuideachd d’ am b’ ainm Gillebrighde a rinn ni-eigin nach do chord ris an Righ, ’s thug e sparradh dha a lathaireachd fhagal, agus gun e ’ga fhaicinn tuille. Cha robh math do Ghillebrighde dol do Lochlunn. ’Se a bh’ ann gun chuir e fios le aon a bha dol dachaigh a bhean a chuir far an robh e do dh-Ile. ’Se an t-aite anns an d’ rinn e comhnuidh, Uaimh Bhearnasaig—’se sin an UaMmh hor aig Balsadh. Thanig a bhean anns a’ bhirlinn aige fhein; agus a chum a toirt sabhailte gu tir rinn e reiteach o’n lan aig beul Chaol Ile an dorus na h-uamha. Mar so fhuair a bhirlinn a stigh; agus chithear na clachan mora gus an latha an diugh, far na chuir Gillebhrighde iad. Mar so fhuair e bhean agus an teaghlach mar a dh’ iarr e, agus bha iad a cur suas anns an uaimh. Bha an righ a tighinn uair ’sa bhliadhna, mar a b’ abhaist a shealg nam fiadh, ach cha robh Gillebrighde dol ga choir, ’s cha robh an righ a’ cur dragh air. Bha an uine dol seachad agus bha teaghlach Ghillebrighde cinntinn mu ’n cuairt air. Nuair a bha Domhnull a mac a bu shine a bha aige, bliadhna air fhichead a dh’aois thuirt e ris fhein gu’n rachadh e a dh’ fhaicinn ciod a bha muinntir Lochlunn a’ deanamh. Dh’ eirich mang—’s e sin seachd bliadhnach daimh—air thoiseach orra; agus cha robh aon an sin a bu luthaire no bu treise na dheigh na Domhnull. Bha a nighean oighre leis an rìgh am measg na cuideachd agus shocraich i a suil agus a cridhe air an oganach. Ach air an latha so cha d’ fhuair i cothrom air conadal a bhi aice leis; ’s cha’n fhac i e tuilleadh air a bhliadhna sin. An ath bhliadhna, ’n uair thanig an Righ, bha Domhnull na’n cuideachd air an darna latha. Thuair nighean an Righ cothrom air labhairt ris feadh an latha, agus thubhaiat i ris e ga thilgeil fhein a leth taobh ’s an fheasgar, gu’n robh toil aice a bhi cainnt ris. Thachair iad mar a dh’ iarr i, agus dh’ innis i dha gu’n robh i ’n deigh gaol a ghabhail air, ’s nach b’ urrainn di bhi beo as eugais. Fhreagair e nach robh ann ach duine bochd, ’s nach robh comas air a gaol a thionndadh gu feum. “Cha ’n e cuid a tha dhith ormsa idir,” ars ise, “’s e duine tha dhith orm; agus ma bhitheas tusa toileach cur suas leamsa cuiridh mise suas leatsa.” ’S e a bh’ ann, an uair a sgaoil cuirm an Righ ’s an oidhche, gu’n robh a’ nighean air falbh le Domhnull do ’n Uaimh mhoir. An uair a thainig crioch air an fhaoghaid, bha nighean an Righ air chall, ’s cha b’ urrainn daibh a faotainn; agus an uair a thainig a chuideachda rioghail an ath bhliadhna cha ’n fhac iad i, ’s cha mhomha chunnaic iad Domhnull. Ach air an treas bliadhna, ’n uair a bha’n t-am a dluthachadh air am bu choir do ’n Righ a bhi tighinn, bha a nighean agus Domhnull ag amharc a mach a beul na h uamha ris an airde tuath, dh’ fheuch am faiceadh iad an Righ air a chuan. Cha robh iad moran laithean ag amharc ’nuair a chunnaic iad cabhlach an Righ a’ tighinn. ’S coir innse gu’n robh aig an am so tuilleadh ’s iad fhein ann. Bha naoidhean aca, agus an rud nach deanadh nighean an Righ air a son fhein dheanadh mathair a phaisde air a shonsan. An uair a chunnaic i a h-athair a tighinn thog i leatha am paisde dearg ruisgte agus thug i Port Asgaig oirre, agus gun ach brat fuasgailte air a thilgeil thairis air. Mu choig slat an ear o far am bheil tigh-osd a Phuirt an duigh tha creag ris an abrar an “Coscheum.” Air a’ chreig so rinn nighean an Righ seasamh; agus an uair a thainig a’ bhirlinn, ciod a bha mu choinneamh an Righ ach a nighean agus ultach ’na broilleach. “Ciod a th’ agad an sin,” ars’ an Righ. ’S e an fhreagairt a thug i air am brat a thogail far a phaisde agus gne na h-ultaich a leigeil ris. Mhol e eireachdas a phaisde ach “Carson nach eil rud-eigin de chomhdach agad air?” ars’ esan. “Ma tha e lom ruisgte ’s math an t-aon a tha mothachainn da. Tha e soirbh ni ’s leoir d’ a shean-athair a chomhdach.” “Ciod e chomhdaicheadh e,” ars an Righ. “Chomhdaicheadh Eilean iomallach na h-Airde-an-Iar e,” ars’ ise, oir b’ ann mar so bha Ile air ainmeachadh ’n am measg aig an am ud. ’S e a bh’ ann gu’n d’ thug an Righ lamh suas air Ile do’n phaisde; agus ’s ann mar so a thuair Clann Domhnuill a’ cheud choir air Ile, agus chuir iad an coir ris. NIALL. ELIAH. Is e fàidh dileas, duineil a bha ann an Eliah. Bha ’chridhe daonnan làidir, agus bha e eudmhor as leth an Tighearna le dealas gaisgeil, dichiollach. Bu bhrònach ’s bu bhochd am mùthadh a dh-oibrich ginealach no dha ann an Rioghachd Israeil. Am feadh a bha treubhan na tire uile géilleachduinn do Dhaibhidh agus do Sholamh a mhac, b’ fhonnmhor agus bu mhilis togarrach a thogadh an sluagh caithream buidheachais agus molaidh do ’n Tighearna Dia Iehobhah. B’ eudmhor us bu bhlàth miann us faireachduinn an cridheachan an uair a bha iad ag éigheach mar so, “Bha aoibhneas orm an uair a thubhairt iad, “Do thigh an Tighearna théid sinn. Seasaidh ar cosan an taobh a stigh do d’ gheataibh, a Ierusaleim. Tha Ierusalem air a togail mar chaithir, a tha air a coimh-cheangal ri chéile. D’ an teid na treubhan suas, treubhan an Tighearna gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearna.” Bha Rehoboam, mac Sholaimh, uaibhreach, àrdanach, agus amaideach, agus air an aobhar sin roinneadh Rioghachd Israeil na dha bhuidhearm. An deigh do’n cheangal aosmhor onarach a bha g’ an dlùth-nasgadh ri Dia an aithrichean a bhi air a bhristeadh; agus an tràth a bha na deich treubhan air am fàgail g’ an comhairle ’s g’an stiùireadh féin ann an tomhas mor, bu dian ’s bu deifireach an luathas leis an deachaidh iad air seachaean agus leis an do chlaon iad bho theisteas us bho naomh-reachdan an Tighearna. Ann an làithean an laoich churanta Eliah, bha uachdaranachd nan deich treubhan a bhrist air falbh bho [TD 371] [Vol. 4. No. 47. p. 3] thigh Dhaibhidh, ann an làmhan Ahaib. Is e righ anameasarra, fuileachdach, gun cheann, gun tapaidh a bha ann an Ahab. Cha robh e idir eudmhor as leth an Tighearna, ni mo bha e oidheirpeach no aghartach ann an iodhalan agus ann an diathan béige ’ghlanadh air falbh as an tir. Cha do lot ’s cha do chràidh e ’chridhe gu goirt, agus cha robh anam air a luasgadh le sprochd us doilgheas us mighean, o’n nach robh an sluagh, mar bu nòs agus mar bu chubhaidh doibh, a’ sleuchdadh le mor urram us irioslachd do’n Tighearna a bhuin co bàigheil agus co caoimhneil riu anns na làithean a dh’ fhalbh. Dhi-chuimhnich e féin, maille ris a’ mhor-shluagh a bha ’nis, mo thruaighe, ag aideachadh uachdaranachd agus a toirt ùmhlachd dha—dhi-chuimhnich iad le chéile na gniomharan iongantach ’s na nithean mora ’rinn an Tighearna le laimh làidir ’s le gàirdean sinte-mach as an leth. Cha-n fhadadh aithris nan euchdan treubhach a chaidh nochdadh anns na linntean a dh’ fhalbh le lannan ’us clogaidean nan daoine d’ an robh Iehobhah féin ’na cheannard ’s ’na fhear-iùil, taingealachd us gradh ’nan cridheachan. Thug iad spéis a bu mhodha, ’s chuir iad barrachd dochais us muinghin ann an cleachduinnean gràineil us ann an aoradh buaireasach, meallta, faoin nan cinneach a bha tuinneachadh mu ’n timchioll. Tha e air innsidh dhuinn gu ’n d’ rinn “Ahab mac Omri olc ann an sùilibh an Tighearna os-ceann nan uile ’bha roimhe, agus mar gum bu ni faoin dhasan gluasad ann an peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, ghabh e ’na mnaoi Iesebel, nighean Etbail righ nan Sidonach, agus chaidh e agus rinn e seirbheis do Bhaal agus shleuchd e dha. Agus chuir e suas altair do Bhaal ann an tigh Bhaal, a thog e ann an Samaria. Agus rinn Ahab doire, agus rinn Ahab ni’s mo bhrosnachadh an Tighearna Dé Israeil gu feirg na uile righrean Israeil a bha roimhe.” Tha ’n cùnntas a tha againn an so air eucoir, anacearts us aingidheachd mhic Omri, righ Israeil, muladach agus uamhasach; gidheadh tha ’ghnàthachadh ’sa chomluadar peacach, cealgach, us gràineil féin a’ dearbhadh gu soilleir gu bheil gach ni tha air aithris mu thimchioll tuille ’s fior. Bha ’n tir ré làithean an righ so làn de dhroch-bheairt innleachdach. Cha robh boltrach cùbhraidh ag éirigh suas gu nèamh do’n Dia a’s Tighearna ann, cha robh luaidh ’ga dheanamh le iolach aoibhneach molaidh air oirdheirceas us glòir us moralachd Iehobhah, ni mo bha anam an t-sluaigh a’ plosgartaich, ag éigheach ris an Tighearna. Thog luchd-leanmhuinn Bhaail—luchd-aoraid nan iodhalan a thainig bho dhuthchannan céin, àitean àrda doibh féin, agus dealbhan agus doireachan air gach cnoc àrd agus fuidh gach craobh uaine. Bha ùghdarcas ro mhor aig Baha-phrionnsa nan Sidonach thairis air an righ; agus le oidheirp ’s le dealas dian a dheanamh, phlanntaich i aoradh us àbhaistean fealltach mealltach am measg a’ phobuill sin a roghnaich an Tigheana dha féin. CONA. AIR DO SHOCAIR.—Bha ministeir ann an Alba uair a’ deanamh searmoin, agus air dha a bhi leughadh ann an leabhar nan Salm, thainig e dh’ ionnsuidh na h-earainm a tha ’g radh, “Thubhairt mi ann am chabhaig. Is breugach gach duine.” “Gu dearbh fhéin, a Dhaibhidh,” ars esan, “na’n robh thu fuireach ’san sgire so, dh’fhaodadh tu sin a radh air do shocair.” BREITH CHRIOSD. ’N uair ’bha uisgeachan Iordain gu comhnard fo phramh, A’s air sliabh maiseach Shioin ’bha samhchair ’n a tamh, N uair ’bha buachaillean Bhetle’m a’ faireadh nan treud, Ri solus nan rionnag ’s gan dion o gach beud. Feuch, fuaimean neo-thalmhaidh gu h-ard os an ceann, ’Do chual’ iad o chein-astar dorcha nam beann, A’ dlu’chadh le ceol agus moladh ro bhinn. Ghrad lionadh an cridh’chan le aoibhneas grinn. Ach air amharc a suas dhòibh, ghrad chlisg iad gu leir, Oir, le gathan ur, boillsgeach las gorm-bhrat nan speur; Dhoirt na Neamhan a mach troimh an geatachan oir, Sluagh gun aireamh de aingle ’s iad sgeadaicht’ le gloir. Air carbadan dealrach, ’s sgiathan geal mar an sneachd, A nuas air an oidhche do thuirlinn am feachd; Chual’ na Neamhan a b’airde buaidh-chaithream na toirm, ’Nuair a bhuail iad an clarsaichean, ’s ’sheinn iad le foirm: O ’Shioin, le subhachas tog suas do shuil, Tha an t am a nis faisg ris am b’ fhad ’bha do dhuil, Tha Nadur uil’ aoibhneach ’s fiamh-ghair air a gruaidh; Prionnsa Shaleim tha ’tighinn gu riogh’chadh le buaidh! Feuch, Trocair, tha ’dortadh á taisg-phraisibh oir, Do luchd-caoidh sruithean solais, gu fialaidh ’s gu leoir; Tha i ’ceangal le curam gach ciurradh a’s leon, A th’ air cridh’chan gun dochas na dream ’ta fo bhron. A chur misnich ’s na cridh’chan lan geilt tha E ’teach, A thoirt buaidh air an Diabhull—e fein ’s a chuid feachd: Theich an duibhre roimh aghaidh reul oirdheirc an la, Ris tha doireachan Edein gu h-urar fo bhlath! O ’Shioin, le subhachas tog suas do shuil, Tha an t-am a nis faisg ris am b’ fhad ’bha do dhuil, Tha Nadur uil’ aoibhneach ’s flamh-ghair air a gruaidh; Prionnsa Shaleim tha ’tighinn gu riogh’chadh le buaidh! Eadar. le MAC-MHARCUIS. GNOTHUCH UAMHASACH.—Bha duin ann uair, agus ge b’e air bith a thainig eadar e-fhéin ’sa bhean, dh’ fhàg i e, agus chaidh i dhachaidh gu tigh a h-athar. Aon latha thachair caraid air an duine bhochd, agus ars esan ris, “A Sheumais, a dhuine, nach mi tha duilich air do shon. Nach uamhasach au gnothuch dha d’ bhean d’ fhàgail air an dòigh so.” “Ma ta,” arsa Seumas, “faodaidh i deanamh moran na’s miosa na sin mus stad i.” “Gu de bu mhiosa b’ urrainn dhi dheanamh?” dh’ fheòraich a charaid. “Dh’ fhaodadh i tigh’n air ais ’gam ionnsuidh,” arsa Seumas. ’S BEAG AN T-IOGHNADH.—Leugh sinn an la roimhe mu dhuine a bha air a mharbhadh leis an dealanach ’se a dol gu tigh coimhearsnaich a dh’ iarraidh iasad dhe ’n phaipear air, paipear a bu chòir dha fhéin a bhi ’gabhail ’sa pàigheadh. Cha do chuir so iongantas sam bith òirnne; ’s ann a tha ’n t-iongantas ann nach eil an còrr dhe’n t-seòrsa dhaoine ud air am marbhadh leis. Ciod an ni a’s fhearr is urrainn do dhuine dheanamh na bàsachadh air son a luchd-dùthcha. Tha aon ni, e bhi beò air an son. Sin obair a’s fhaide mhaireas, agus a tha uime sin, na’s doirbhe deanamh agus nn’s uaisle. [TD 372] [Vol. 4. No. 47. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, MAIGH 30, 1896. Bha Sàr Ruisia air a chrunadh le mor ghreadhnachas Di-màirt s’a chaidh. Air an oidhche bha baile mor Mhoscow air a shoillseachadh gu h-eireachdail; thatar ag radh nach robh ach gann uinneag ’sa bhaile anns nach robh solus mar urram do’n t-Sàr. Tha an Sàr a reir coltais a’ dol a bhuntuinn ri iochdarain beagan na’s caoimhneile na bha e deanamh roimhe so. Iadsan a tha anns na fiachan air son chisean a chaidh a leagail orra, tha na fiachan air am mathadh dhaibh; tha màl an fhearainn gu bhi air isleachadh gu leth na suime a thatar a pàigheadh an dràsda, agus ri bhi air fhàgail aig a sin fad dheich bliadhna; agus iadsan a tha air fògradh an Siberia, cha’n eil iad ri bhi air am peanaisteachadh cho cruaidh ’sa bh’ air òrduchadh dhaibh. Litir a Michigan. A DHEAGH CHARAID:—Tha e toirt toileachadh mor dhomh fhaicinn gu bheil an sloinntear ainmeil, an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair an deigh a pheann a ghabhail ’na laimh a rithist, agus a deanamh duilleagan MHIC-TALLA taitneach le eachdraidhean goirid air cuid de na fineachan Gàidhealach. Tha eagal orm nach i ’n réit a bhios eadar e féin agus Tearlach Friseal Mac-an-Tòisich! Tha ’n duin’ uasal sin a cumail a mach gur e Mac-an-Tòisich ceann-chinnidh Chloinn Chatain, agus tha Mr. Sinclair a reir coltais dhe’n bharail gur e Cluainidh Mac-a-Phearsain is ceann-cinnidh dhaibh. Fhuair mi àireamh dhe’n Times, paipeir-naigheachd Obanach, an la roimhe bho Mr. Henry Whyte (“Fionn”) an Glascho, anns an robh cunntas air a thoirt air coinneamh a bh’ aig Comunn Chloinn Ghilleain anns a’ bhaile sin o chionn ghoirid. Chuir e aoibhneas orm fhaicinn gu bheil an Comunn sin a’ dol a chur Crois Cheilteach suas aig uaigh Lachuinn Mhic Gilleain, bràthair mo mhàthar fhéin. B’ àbhaist dha a bhi sgriobhadh anns an Teachdaire Ghaidhealach, agus ann an Cuairtear nan Gleann, agus a’ cur mar ainm ri chuid sgriobhaidhean Mac-Talla agus Eoghan Og. Tha Lachuinn Mac Gilleain a nise marbh o chionn da fhichead bliadhna ’sa h-ochd, agus ’s ann triomh oidhearpan Mhr. Whyte agus an Oilear J. P. Mac Gilleain, a thainig an Comunn gu cur mu dheibhinn càrn-chuimhne a chur aig ’uaigh. ’N uair a bha mi an Canada an uiridh, thaghail mi ann an sgireachd Ghàidhealach ann am Maree an Ontario, agus cha bu bheag an t-ioghnadh a chuir e orm an àireamh mhòr de Chloinn Fhionghain a thachair orm. Tha à’ Ghàilig aca uile. Thainig an aithrichean a mach á Colla, á Tirithe, ’s á Muile. Tha mi gle riaraichte le MAC-TALLA; tha e a fàs na’s fhearr fad na h-ùine. ’Nuair a bha mi ’nam bhalachan òg an Glascho, b’ àbhaist dhomh a bhi ceartachadh nam “proofs” do bhrathair-mo-mhàthair, ’nuair a bhiodh a ’sgriobhadh dh’ ionnsuidh a Chuairteir agus phaipearan eile; ach tha tri fichead bliadhna uaithe sin. Cha rachadh agam air sin a dheanamh an diugh. Tha mi nise na’s fhearr air sgriobhadh cànainean na Gearmailte agus na Suaine na tha mi air cainnt mo mhàthar. Ma dh’ fheuchas mi ri beagan Gàilig a sgriobhadh, feumaidh mi Foclair Mhic-Leòid us Dheòra bhi agam ri m’ uillinn! Tha mi ’n dochas gu faic mi tuilleadh de dh’ eachdraidhean Mhr. Shinclair anns a’ MHAC-TALLA, agus a’ guidhe soirbheachadh math leibh is mi, an la a chi ’s nach fhaic, bhur caraid dileas, D. T. MAC DHOMHNUILL. Calumet. Mich. SEALL A MACH. Airson STOR UR TAILLEARACHD. A tha ri bhi a fosgladh air an ath mhios ann an STOR W. E. PETERS. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 373] [Vol. 4. No. 47. p. 5] NAIDHEACHDAN Chaidh dithis dhaoine a ghlacadh anns na Stàitean a dh’ aidich gu’n do chuir iad teine ri tri fichead tigh, a losgadh mu fhiach da mhuillein dolair. Chaidh soitheach a bhristeadh faisg air Kennington Cove ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Fhuair an sgioba iad féin a shàbhaladh, ach chaidh an soitheach a chall. Bha an soitheach air a turus á Lochluinn. Bha cheud Dinneir aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Di-luain. Bha àireamh mhath aice agus chuir iad oidhche chridheil, shunndach seachad cuideachd. Gu robh buaidh us piseach air a’ Chomunn! Tha nise ceithir bliadhna o’n thainig am MAC-TALLA mach an toiseach. Thainig a cheud àireamh a mach air an ochdamh latha fichead dhe’n Mhaigh, 1892. Leis an àireamh so bidh da cheud us còig aireamh dheth air tigh’n a mach. Bha stoirm uamhasach ann an St. Louis an Stàit Missouri Di-ciaduin. Bhuail cyclone am baile agus ann am beagan mhionaidean chuir e earann mhor dhe’n bhaile as a chéile. Tha tar a’ deanamh a mach gu’n deachaidh còrr us da cheud duine a mharbhadh, agus cha’n eil rian air a chall a rinneadh a bharrachd air sin. Bha teintean a deanamh sgrios mor air coille ann an Nobha Scotia mu’n d’ thainig an t-uisge. Bha ’n turadh air leantuinn cho fada ’s gu robh gach ni air fàs cho tioram ’s gu’n deanadh sradag glé bheag teine fhadadh. Ach gu fortanach thainig an t-uisge, a chuir as na teintean, agus a tha toirt fàs air an fheur ’s air gach ni a chuireadh. Chaidh fear Padruig Blakery, seann duine beairteach ann am Parsborro, N. S., a robaigeadh oidhche Di-màirt s’a chaidh. Bha e air rùm a ghabhail ann an tigh-òsda ’sa bhaile, agus bha còig ceud dolair de dh’ airgead aige ann am màileid, comhla ri pasgan de phaipearan a bha sealltuinn gu robh aona mile deug dolair aige anns a bhanca. Chaidh an t-iomlan a ghoid as a mhàileid air feadh na h-oidhche. Chuir e fios dh’ ionnsuidh a’ bhanca gun a t-airgead a phàigheadh, agus tha e deanamh uile dhichioll air an robair a ghlacadh, ach gu ruige so cha d’ fhuair e sgeul air. Cha’n eil a bheag de naigheachdan ri fhaotainn aig an àm so, ach politics, agus o nach eil MAC-TALLA ’gabhail gnothuch ri taobh seach taobh, cha bai e toirt moran iomraidh orra. Chuir na Tuppers cuairt air an eilean, air an t-seachdain so a labhairt anns na bailtean; an deigh sin labhair iad an Antigonish, agus an sin chaidh iad a dh’ Eilean a’ Phrionnsa. Tha ’n taobh eile ag obair a cheart cho cruaidh ann an àiteachan eile. Tha iadsan a’ bruidhinn air cuireadh a thoirt do Mhr. Laurier sgriob a thoirt a nuas dh’a na Mor-roinnean Iseal co-dhiu thig e gus nach tig. ’Nan tigeadh bhiodh cothrom aig an luchd-taghaidh air da thaobh na cùise bhi air a mhineachadh dhaibh leis an da cheannard. Tha am MAC-TALLA an dràsda dol uair ’san t-seachdain do Ghàradh Edein, agus a faotainn aoidheachd bho dhuine còir d’an ainm Alasdair Sutharlan. Tha moran a’ deanamh a mach gu’m b’i a’ Ghàilig a chainnt a bha ’n Garadh Edein air tùs, agus tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil i ann fhathast. Tha sinn an dòchas nach tig air ar caraid an Gàradh fhàgail air chabhaig, agus gu’m bi e gabhail gu caoimhneil ris a’ MHAC-TALLA gu ceann iomadh latha ’s bhliadhna. Chaidh soitheach á Norway a bhristeadh air na creagan aig Eilean Phòil oidhche Dì-màirt s’a chaidh, agus chaidh an sgiobair agus ceathrar eile a bhàthadh. Cha robh air an t-soitheach ach coignear eile agus chaidh iad sin a shàbhaladh. Bha dùil aca gu robh iad air a dhol seachad air an eilean ’nuair a chunnaic iad na creagan rompa. Dh’ fheuch iad an uair sin rì cùrsa ’n t-soithich atharrachadh, ach bha iad tuilleadh us anmoch. Chaidh ì as a chéile cha mhor cho luath ’sa bhuail i. Bha ceò dùmhail ann agus a mhuir gle gharbh. Bha mac dh’ an sgiobair air fear dhiubhsan a chailleadh còmhla ris fhéin. Bha iad le chéile aig an Stiùir ’nuair a chaidh an soitheach fodha. Thachair sgiorradh eagallach ann am baile Victòria, an Columbia Bhreatunnach Di-màirt. Bha carbad stràide, air an robh còrr us sia fichead a gabhail an turuis, a’ dol a mach as a’ bhaile a dh’ fhaicinn cluich-airm a bha gu bhi faisg air Esquimalt. Bha aig a charbad ri dhol thairis air drochaid Point Ellice agus ’nuair a bha e mu mheadhon na drochaid, bhrist i fodha agus thuit an carbad ’s na bh’ ann dh’ an amhuinn, agus thatar a’ deanamh a mach gu robh còrr ’s dárna leth na bha ann air am bàthadh. Shàbhail cuid dhiubhsan a bha air taobh a muigh a charbaid iad féin le snàmh, ach bha moran de chàch air an goirteachadh anns an tuiteam, agus cha robh cothrom snàmh air fhàgail aca. Bha an drochaid gle àrd os ceann an uisge far ’n do bhrist i, agus chaidh an carbad gu grunnd na h-aimhne, far am bheil an t-uisge mu coig troighean fichead a dhoimhnead. Bha àireamh de na cuirp air an giùlan a mach dh’ an acarsaid le sruth na h-aimhne. Bha moran sluaigh air an drochaid ’nuair a bhrist i, agus tha cuid dhe’n bheachd nach b’ urrainn àireamh na thuit dh’ an amhuinn air fad a bhi na bu lugha na da choud, agus nach d’ fhuaireadh an dàrna leth a shàbhaladh. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, batar an deigh tri fichead corp ’sa dha fhaotainn. BAIS. Air taobh an iar Loch Ainslie, air an aonamh latha fichead dhe’n mhios, Ceit Marcella, nighean Eoghain us Anna Ghillios, an Gleann nan Sgiathanach, ochd msosan a dh’ aois. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St.. Ottawa, Ont. MAIGH, 1896. 1 Di-haoine. A Bhealltuinn. 2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica, 1494. 3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge 4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m. 5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873 6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776. 7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46. 8 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 7.7. 9 Di-sathairne 10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge. 11 Di-luain 12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar. 13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin,1812 14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh. 15 Di-haoine 16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain. 17 DI-DONAICH. An fheill Chatain. 18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843. 19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411 20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506. 21 Dior-daoin. Ceannairc ’sna h-Innsean,’57 22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad 23 Di-sathairne 24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis. 25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28. 26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar. 27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28. 28 Di-daoin. Comunn Gal’ach Lunnain 1778 29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660 30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596. 31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid. Bathar Tioram. AIG IAIN A. MacCOINNICH & CO. FIACH $15,00 ri bhi air a chreic a mach anabarrach saor Caileagu o 3½c. suas Anart Buidhe 3c suas Anart Geal 4c suas Leintean Geala air 59c. suas Taghil a stigh agus GHEIBH THU BARGAN. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 [TD 374] [Vol. 4. No. 47. p. 6] NA BANCAICHEAN-CAOMHNAIDH. Bu choir do gach duine a dh’ fheumas, le fallus a ghruaidh, a theachd-an-tir fein a chosnadh, beagan a chur mu seach air son an latha fhluich—la a dh’ fheudas teachd air na h-uile an uair a’s lugha a shaoileas iad. ìs e an secl a’s fearr chum so a dheanamh, beagan a chur, air a lughad, anns an Ionad-mhalairt, no ’s a’ Bhanc-caomhnaidh, far an tog e riadh, agus far an gleidhear cruinn r’a cheile e. Anns an aite sin tha e an comhnuidh tearuinte, agus deas gu lamh a chur air ri h-uchd feuma. An toiseach, ma ta, dean dichioll air co beag ri bonn-cruin a chur r’a cheile; thoir an tigh-malairt ort leis, agus gheibh thu an sin leabhran anns an sgriobhar sios am bonn-cruin agad ri d’ chreideas, agus anns am bheil comas agad tuilleadh a chur an uair a chosnas tu e. Uime sin, dean dichioll air neoni a chur gu riaghailteach a’ d’ leabhran gach mios, no gach seachduin, ged nach biodh, ann ach sgillinn Shasunnach. Cha tuig neach sam bith gus am feuch se e, cia co furast ’s a ta e airgiod a dheanamh air an doigh so, agus tha fios aig na h-uile nach furast a dheanamh air dhoigh eile. An uair a thoisicheas duine air neoni beag a ghleidheadh mar so, tha toil-inntinn aige ann a bhi ’faicinn gu’m bheil a chuid airgid a’ fas mor gu’n fhios gu ’n aire dha, agus ni e strith chum a mheudachadh. Cuiridh e a nis, le lan chridhe, anns an leabhran, an tasdan a rachadh roimh sin le gleadhraich ’s an stop. Tha ’n cleachda taitneach so a’ teagasg do na h-uile a bhi curamach, measorra, agus stuama. Cuiridh iad cul ris gach milleadh, ana-measarrachd, agus caitheamh, agus uile laithean am beatha bithidh iad taingeil air son a’ chaochlaidh a rinneadh air an giulan, agus air an droch-cleachdannaibh. Gu robh iad lionmhor am measg ar luchd-leughaidh a smuainicheas air so agus a bheir iomadh beannachd dha-san a chomhairlch dhaibh a’ cheud sgillinn a chur ’n an leabhranaibh-malairt. Cha ’n urrainn neach a thuigsinn an toiseach ciod a’ bhuannachd a ta ann do theaghlach sam bith, an uair a bhios ceannard an teaghlaich sin curamach agus glic ann a bhi ’gleidheadh, agus a’ cur mu seach neoni beag an tras’ ’s a ris air son an ama ri teachd. Is cruaidh agus is duilich an obair do chosnach bochd airgiod a dheanamh, ach tha e moran ni ’s dorra dha an t-airgiod sin a ghleidheadh an deigh dha a dheanamh. Uime sin, ’s e gliocas gach neach aig am bheil a’ bheag no mhor an ceann na seachduin mar thuarasdal air son a shaoithreach, earrann bheag deth a chur ’s a’ Bhanc-caomhnaidh, agus gun fhios gun aire dha, fasaidh e mor. Cha do ghabh neach aithreachas riamh air son gu’n d’ rinn e so. Tha iomadh bliadhna o’n thoisich na Bancaichean-caomhnaidh sin, agus is mor am beannachd a bhuilich iad air an rioghachd air fad. Tuigear so ni ’s fearr le aon eiseimpleir a thoirt air a’ chuis. Bha bean-phosda og, thapaidh anns an Eilean Sgiathanach a chaill a companach, agus a dh’ fhagadh le triuir nighean, a bha ’s an am gle og. An uair a thoisich gorta mhor ’s an Eilean sin, mar a ta cuimhne aig moran fathast, bha a’ bhean so air a saruchadh gle chruaidh a thaobh gainne an teachd-an-tir. Runaich i air la de na laithibh, air sgireachd a breith fhagail, agus air Baile-cinn na Siorramachd a thoirt oirre, far an robh duil aice ri cosnadh eigin fhaotainn chum i fein agus a caileagan beaga a chumail beo. Rainig i agus ghabh i bothan tighe o thuathanach am fochair a’ bhaile. Bha’n og-bhean so riamh deanadach, dichiollach, agus glic. Cha robh la ’s a’ bhliadhna nach robh i’ faotuinn oibre mu’n tuathanachas, a’ deanamh gach ni a thigeadh ’n a caradh air na h-achaibh, agus a’ faotuinn duaise bheag, chinnteach air son a saoithreach. An deigh dhi a bhi samhradh no dha a’ cur seachad a h-uine air an doigh so thainig i stigh do’n bhaile air feasgar araidh, o cheann a nis dluth air fichead bliadhna, agus ghairm i airsan a ta ’sgriobhadh so sios, beagan an deigh dha teachd do’n aite, do bhrigh gu’n robh eolas aic’ air roimh sin ’s an Eilean Sgiathanach. “An ’tu so ’Mhairearad, tha mi ro thoilichte t-fhaicinn; agus cia mar tha thu fein agus do phaisdean?” “Tha sinn uile slan, fallain, gun fhath gearain, ach ciamar tha sibhse? Is mor mo sholas gu’n d’ thainig sibh a dh-ionnsuidh a’ bhaile so. Ochan! Ochan! is mi tha toilichte an diugh.” An deigh do Mhairearad a h-eachdraidh a chur an ceill gu mion, poncail ann am fior Ghailig, thubhairt i;— “Tha gnothuch beag agam ribh agus tha mi’n dochas gun dean sibh e. So agaibh coig puinnd Shasunnach a chuir mi r’ a cheile o’n thainig mi do’n aite so, agus gleidhidh sibh dhomhsa iad air eagal gu’n caill mi iad.” “Tha mi ro thoilichte gu’n deachaidh a’ chuis co math leat a Mhairearad, oir is fhada ’bhiodh tu ’s an Eilean Sgiathanach mu’n sgriobadh tu na h-uiread r’ a cheile; ach cha ghabh mise an t-airgiod agad idir, agus cha ghleidh mi dhuit e air an doigh sin; ach ma thogras tu cuiridh mi e gu buil n’ is fear dhuit, agus gu buil a bhios chum beagan buannachd dhuit, aig an am cheudna.” “Ciod e sin?” Bha duil agam gu’m biodh e chum feuma dhuibh fein, agus is i ur beatha a ghabhail, a chionn gu ’m bithinn gle chinnteach as an uair a dh’ fheudadh feum a bhi agam air.” “Cha ghabh mi idir e, a Mhairearad, air an doigh sin, ach cuiridh mi e a’ d’ ainm fein ’s a Bhanc-caomhnaidh; gheibh mi leabhar beag air a shon anns an sgriobhar sios e, a ghleidheas mi dhuit, agus togaidh e riadh dhuit an sin.” “Banc-caomhnaidh! Cha ’n ’eil agam idir air na bancaichean sin. Tha eagal orm nach ’eil iad cinnteach, agus b’ fhearr leam gu mor ’n ur laimh fein e.” “Gabh thusa mo chomhairle-sa, a Mhairearad, agus theid mi fein an urras air nach eagal da. Ach tha urras ni’s fearr agad na mise. Tha Bhanrigh mhaith againn fein an urras air, agus ciod tuilleadh a dh’ iarradh tu? Tha na bancaichean sin a’ cur an airgid aca air son tearuinteachd ann an sporan mor na rioghachd, agus gus am brisear an crun Breatunnach, cha’n eagal doibh.” “O, ma ta, tha mi ’g iarraidh maitheanais, ’s ann agaibh fein is fearr tha fios; so agaibh an t-airgiod le beannachd, agus is iomadh fallus cruaidh, goirt a thug e air mo mhalaidh mu ’n do chuireadh r’a cheile e.” “A nis, a Mhairearad, an uair bhios bonn-cruin, no leth-chruin, no sgillinn-Shasunnach agad, gabhaidh am banc e, seasaidh e an sin ri d’ chreideas, togaidh e riadh an ceann na bliadhna dhuit agus bithidh e an comhnuidh a’ fas mor.” “Mo bheannachd agaibh, ach c’uin, no ciamar a gheibhear a mach e a ris?” “Gheibhear a mach e air la sam bith. Gheibhear e gu leir eadar chalp’ agus [TD 375] [Vol. 4. No. 47. p. 7] riadh, no gheibhear co beag ris an tastan as aig an aon am, uair sam bith a dh’iarrar e.” “Nach e tha goireasach, freagarrach, doigheil! ’S i Bhanrigh fein,—gu robh i air a beannachadh!—a dheanadh an gnothuch gu ceart; oir tha mi cinnteach nach deanadh Banc Phort-righ againne sin; ’s e nach deanadh. Cha ghabhadh e suim co beag. Ach feumaidh mi a bhi ’falbh. Mile beannachd,—mile taing,—slan leibh.” A nis, ciod a dh’ eirich do’n bhan-Sgiathanach so, agus d’a gnothuichibh anns a’ Bhanc-caomhnaidh? Bha i’ tighinn an tras’ ’s a’ ris le beagan air son a leabhrain fein, agus bha i a’ gabhail tlachd ann, nach robh aice an toiseach. Mu dheireadh dh’fhag i an duthaich agus an tuathanachas, agus ghabh i aite beag freagarrach ’s a’ bhaile. Thoisich i air nithe beaga a reiceadh; mar a ta aran, im, caise, uibhean, coinnlean, biorana-fadaidh, soda, siopunn, agus an leithide sin. Bha i curamach mu cheartas a dheanamh ri ’cuid cloinne. Thug i sgriobhadh, leughadh, agus sgoil-fhuaigheil do na h-igheanaibh aice. Dh’ fhas iad suas ’n an caileagaibh tapaidh, dreachail; phos iad agus tha iad a nis ’n an tighibh fein. Tha Mairearad choir fein ’n a boirionnach laidir tapaidh, sgairteil fathast, a’ cumail a’ bhuth bhig aice mar a b’ abhaist, agus gun a bhi idir dearmadach air a leabhar beag fein, anns am bheil a nis a cuid airgid air meudachadh gu gle dhluth air da cheud punnd Sasunnach! Leanadh gach bean agus bantrach, gach oigfhear agus aosda, gach cosnach agus ceannard teaghlaich eiseimpleir na ban-Sgiathanaich dhichiollaich agus ghlic so; agus an uair a dh’ innsear doibh ciamar a thainig i air a h-adhart, chi iad, agus tuigidh iad fein, nach biodh, feudaidh e ’bhi, aon sgillinn ruadh aice an diugh, na’n diultadh i ’s an am sin comhairle a caraid a ghabhail; agus na’m fagadh i mar a bha i a’ bagairt, na coig puinnd Shasunnach aice ann an seotal na ciste an aite an cur a stigh do’n Ionad-Mhalairt sin, far an d’ fhas iad uidh air ’n-uidh co mor ann an aireamh ’s a tha iad a nis. ALASDAIR RUADH. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G H. GUZZWELL Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 376] [Vol. 4. No. 47. p. 8] MEIRLEACH NAM MARAG. [FHIR-DHEASACHAIDH:—Is fada bho’n a chuir thu fios a mach feuch am b’ urrainn de h-àon dha d’ luchd-leughaidh an t-òran a leanas a chuir gad’ ionnsaidh. Chuirinn-sa ugad e roimhe so mu’r biodh gu’n robh an leabhar anns an robh e air chéilidh.—DOMHUL, MARGARI, Am Màigh, 1896.] Thug biast de mheirleach soitheach ime ’s an robh da fhichead pùnnd, crog làn de mheasan-gréidhte, ùbhlan, geir agus maragan a seilear na te a tha ’seinn an òrain so. FONN,—Briogais Mhic Ruaridh. Am faca sibh idir, no’n cuala sibh, Co am fear gioballach, suarach sin, A ghoid mo chuid ine ’s mo mharagan mine, ’S gach ubhal is iomall a fhuaradh leis. Bha Iain na chadal gun smuairean air aigne, ’Nuair thanig fear bradach na cluainteireachd; ’S bha mise ri thaobh ’s mì gun eagal gun smaointinn Gu ’n tigeadh droch dhaoine thoirt bhuam mo chuid. Bha ’n oidhche car dorcha, ’s bha fuaim aig an t-soirbheas; ’Se sin chuir go falbh am fear luath-chasach; A stigh chaidh e ’n t-seillear, cho aotram ri eireag, Is thug e mo gheir air a chruachan leis. Na h-ubhlan grinn, àluinn a dh’ fhàs ann am ghàradh, Na phòcannan sparr e gu suaicheanta; Bha ’n trusdar gun nàire ’g an itheadh gu làidir, Mar thorc ri buntàta bha fhuaim orra. Nach tug e bho sgéith leis na marsan math, gréidhte, A bhruich mi ’sa ghléidh mi le uaill asda! ’S na maragan briagha ’bu chosdail ri ’n deanamh, Tha aige ’ga bhiathadh;—gur truagh mi dheth. An crog bha ’cur thairis le im an deagh bhainne, Thug meirleach nam marag air chluasan leis; ’S e fhéin a bha subhach a’ direadh a’ bhruthaich, ’S am blaths a’ cur rughaidh ’s na gruaidhean aig! Gur truagh ’bhi gun annlan am meadhon a gheamhraidh, Le gadaiche sanntach, neo thruacanta; ’S cha ’n fhaigh mi r’ an ceannach na nithean bu mhath leam, Ged rachainn do ’n bhaile ’s an luach agam. ’Na ’n robh mise làmh riut ’nuair bhà thu ’g ar fàgail. Bhiodh maide bhuntàta ’toirt chnuachdan ort: Ged bhristinn do chlaigeann bu shuarach sin agam; ’S ann thoill thu do spadadh gun truacantachd. Gur truagh nach do ghabh thu le Aonghas na mara, Nan d’ fhuair e ’nad’ charaibh, bhiodh namhas ann; Bhiodh fiaclan do chàirein ’g am pronnadh fo ’shàiltean, ’S cha ’n fhaicte ri ’d là ’dol air ghluasad thu. Co’ dh’ iarraidh bhi d’ bhrògan, a ghlutaire ghòraich, ’S gach duine dha ’n eòl thu ’gad fhuathachadh? ’S gur mise tha cìnteach nach socrach dheth d’ inntinn, ’S do chogais ag ìnnse do dhuaise dhuit. ’Nuair bhios tu le cabhaig ag itheadh nam marag, Cha ’n ioghnadh leam aileag gle chruaidh ’thigh’nn ort, Ma ni iad do thachadh, gur daor dhuit do thapadh. An oidhch’ thug thu leat ann an uaignis iad. ’S ann leamsa bu taitueach gu ’n rachadh do ghlacadh, ’S do sgiursadh gu sgaiteach mar thuarasdal; Bu ghlanadh do ’n àite nan cuirte le bàirlinn, A’ chomhnadh ’an Asia thuathaich thu. Mur treig thu do dhòighean, cho chinnteach ’s is beò thu, Gheibh ’n ceartas a chrògan ort uair-eigin; Is cuirear air falbh thu gu aite nan garbhchlach Gu obair chruaidh mharbhtach gun fhuarachadh. Dean aithreachas tràthail, ’s cuir thugam-sa pàidheadh; Mur cuir theid thu ’dh àite na truaighe bhuainn, Le Iudas, do bhràthais, a ghoid as a mháileid, ’Nuair ’spionas am bàs dheth na chluasaig thu. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 377] [Vol. 4. No. 48. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 6, 1896. No. 48. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Tha e gu tric a’ tachairt an uair nach bi fhios aig daoine ciod a their iad, gu ’n tòisich iad ri bruidhinn air an t-sìde. An uair a thachras duine ruinn air an rathad mhòr air nach bi sinn eòloch, their sinn ris, gu bheil an latha fliuch, no fuar, no blath, no briagha, direach a reir mar a thachras do ’n chùis a bhith. Cha fhreagradh e dhuinn labhairt ri daoine air nach ’eil sinn eòlach, ann an dòigh sam bith eile. Ghabhadh daoine gu h-olc e, nan cuireadh a h-aon dhinn ceisd orra mu thimchioll cia as a thàinig iad, no c’ àit an robh iad a’ dol, no ciod a bha iad a’ dol a dheanamh ann; ach is ann is math leotha an latha a mholadh dhaibh. Ged a bhiodh fhios aca fhein air an t-seòrsa latha ’th ’ann cho math ruinne, mar a dh’ fhaodas fios a bhith aca, is e sinn a mholadh an latha, dhaibh mòran a’s fhearrr leotha na sinn a ghabhail seachad orra, mar gu ’n gabhamaid seachad air each no air mart. A nis, o nach ’eil fhios agamsa gu ro mhath ciod eile a their mi anns an àm so, bheir seachad gearr-chunntas air an t-sìde a bha againn anns a’ Ghàidhealtachd o thoiseach na bliadhna. Bha an t-sìde a bha againn o ’n Bhliadhn’ ùir gus a so anabarrach neo-chumanta. An uair a sgrìobh mi mu ’n t-sìde, mu thoiseach an earraich, dh’ ainmich mi nach robh ach gann làn an dùirn de shneachda ri’ fhaicinn air na beanntan a’s àirde a th’ ann an Eileanan na Gàidhealtachd. B’ ann aig toiseach a’ Mhàirt a thàinig a’ cheud shìde fuar oirnn, agus cha b’ urrainn duinn mòran gearain a dheanamh air na bha dh’ fhuachd ann fad a’ mhios. Bha smùid mhath air a’ ghaoith mar bu trice, agus bha uisge agus flithne gu leòr againn fad a’ mhìos. Ach cha robh stoirm idir againn. Is gann gu robh latha ann ris am faodadh duine faoileach, no gearran, no sguabag, a ràdh. Faodaidh mi a ràdh gu robh corr is trì mìosan againn de shìde fliuch, gun bhith fuar. Mar bu trice, b’ ann o an iar ’s o an iar-dheas n bha’ ghaoth. Tha e anabarrach iongantach ri aithris, nach robh de ghaoith a tuath againn o bhliadhn’ ùir na dheanadh aon seachdain. An uair a bhiodh greis de shìde fliuch ann, thionndadh a’ ghaoth suas ris an tuath; ach ann am beagan uairean thilleadh i thun an iar, no thun an deas. Fhuair daoine aig an robh talamh làidir ri threabhadh aimsir mhath gus an treabhadh a dheanamh, eadar toiseach na bliadhna agus toiseach a’ Mhàirt. Ach fad a’ Mhàirt, agus fad a’ cheud dà sheachdain de dh’ Aprail, is gann gu’m b’ urrainn daoine car treabhaidh a dheanamh aig cho fliuch ’s a bha an talamh. Bha am buntata ni b’ fhaide gun chur na bha e bliadhna sam bith o ’n is cuimhne le daoine. Tha mòran dhaoine gun bhith ullamh de chur an t-sìl fhathast. Ach ged a tha ’churachd fadalach, tha ’n cinneas glé bhras. Tha am fochann a’ tighinn troimh an talamh ni ’s tràithe na chunnaic duine riamh e, o ’n is cuimhne leinn. Tha h-uile coltas gu’m bi bliadhna phailt ann. Cha do sguir am feur a dh’ fhàs am bliadhna. Cha robh againn ach oidhche no dhà de reothadh o thoiseach a’ gheamhraidh. An àm breith nan uan bha am pailteas feòir aig na caoraich, agus sìde bog, blàth, cho math ’s a dh’ iarradh duine sam bith. Aig a’ Bhealltainn ùir, thàinig turadh sèimh is teas mòr oirnn, a mhair còig latha deug. Bhrùchd feur is fochann am mach anabarrach math. Tha na h-achaidhean cho gorm ’s cho comhdaichte le mìn-fheur dlùth ’s a b’ àbhaist daibh a bhith mu Fheill-Sheathain. Dh’ ainmich mi mar tha, nach robh seachdain de ghaoith a tuath againn. Cha mhò na sin a bha aon latha de ghaoith an ear againn o thoiseach na bliadhna. O chionn da latha bhrist air an t-sìde. Tha i fuar ga leòr an diugh fhein; oir chunnaic sinn fras chlachan meallain. Ach tha na làithean fuara so nàdarra gu leòr. So na làithean fuara ris an canadh na seann daoine ri mo cheud chuimhne, “Glaisean cumhach na Bealltainn.” Thig iad a h-uile bliadhna a’ cheart cho cinnteach ’s a thig an samhradh fhein. Faodar ainmeachadh gu robh an t-sìde a bha againn o thoiseach an t-samhraidh gus o chionn dà latha, ni bu teoithe na bha toiseach samhraidh o chionn tri fichead bliadhna. Bha i cho toith fad latha no dha ’s nach b’ urrainn do dhaoine a’ bheag a dh’ obair a dheanamh, ach moch is anamoch. Tha coltas gu’m bi na prìsean meadhonach math. Bidh Feill Phort-righ ann seachdain o’n diugh. Tha na drobhairean beaga a’ dol mu ’n cuairt nam bailtean a’ ceannach ghamhna. O’n a tha dùil agam sgriobhadh a d’ onnsuidh an ùine gun bhith fada cha ’n abair mi an corr an dràsta. Tha mi annabarrach trang aig sgrìobhadh ’s aig leughadh aig an àm so. Cho luath ’s a gheibh mi beagan as mo dhrip, feumaidh mi litrichean a sgrìobhadh gu caomh-chàirdean a th’ agam an Eilean a’ Phrionnsa, agus anns a’ Cheap. Tha mi cuimhneach’adh orra gu tric, ged nach ’eil mi sgrìobhadh uca ach glé ainneamh. Abair thusa so riutha. Is mi do charaid. 19, 5, ’96. IAIN. A fair gu beag ’s abair gu math. Abair sin an uair a chaitheas tu cruach-mhonadh comhladh ris. A’ bhò a’s caoile ’s a’ bhuaile, is i a’s àirde geum. A’ bhliadhna a’s gainne min, dean fuinne mhòr ainneamh. [TD 378] [Vol. 4. No. 48. p. 2] COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AOUS COINNEACH CIOBAIR. COIN.—Failte na maidne dhuit, a’ Mhurachaidh, tha dochas agam gu ’m bheil thu gu surdail, sunndach an diugh, agus nach do chum gleadhraich nan gillean, agus meilich nan caorach agus nan uan gun chadal thu, oir cha bu beag an odhail a bha an raoir ’s a Ghoirtean-Fhraoich leo sin gu leir. Cha do leig iad dhomh fein suil a dhunadh re na h-oidnche. MUR.—Ma ta, a’ Choinnich, chual mi gun teagamh meilich nan cacrach agus nan uan, ach is e sin an ceol a’s binne ’n am chluasaibh-sa ris an comas domh eisdeachd. Tha mi ’tuigsinn gu ’n robh cruinneachadh chaorach agad an de. COIN.—Bha, bha, oir ’s e so an t-am anns am b’ abhaist dhuinn a bhi ’casgadh nan uan, agus thugadh dhachaidh iad maraon, chum dealachadh a chur eadar na h-uain agus am maithrichean mar a rinneadh air an fheasgair an de, agus cluinnear iad far nach fhaicear iad a’ caoidh gu goirt air son an dealachaidh. MUR.—Ochan! is math, eolach air an obair mi, a’ Choinnich, agus de gach fuaim agus tuireadh, cha ’n ’eil caoidh idir ann ni ’s nadurra na caoidh nan uan an uair a dhealaichear iad o ’m maithrichibh; gidheadh, feumar sin a dheanamh. Tha duil agam gu ’m faigh thu deagh fheill agus phris air son nan caorach agus na h-olainn am bliadhna, ged nach ’eil iad idir co ard ’s a bha iad an uiridh. COIN.—Cha ’n ’eil an olann co ro ard ’s a bha i air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus tha na caoraich eadar crun agus ochd sgillinn Sasunnach an ceann sios, agus is mor sin. MUR.—Ni e suim mhaith airgid ann an stoc a’ Ghoirtein-Fraoich, ach cha ’n ’eil comas air, agus bithidh duil ni ’s fearr ris a’ bhliadhna chum teachd. Mar a thubhairt an sean-fhocal, “Thigeamaid beo an dochas ro mhaith.” COIN.—Cha ’n ’eil fios agam, a’ Mhurachaidh, oir tha mo choguis ag innseadh dhomh, gu ’m bheil na prisean tuilleadh ’s ard mar a ta, oir gun teagamh, cha ’n fhiach punnd muilt-fheoil darna leth na pris a dh’ iarrar air a shon, agus is beag a’ chuairt ann an teaghlaich. MUR.—Is ann agam tha fios air mo chosdas, a’ Choinnich, oir cha ’n ’eil mi a’ cumail ach neoni de mheanbh-chrodh, a cheann nach ’eil an t-aite againn co freagarrach air son chaorach ris a’ Ghoirtean-Fhraoich. COIN.—Fagaidh sin ni ’s buailtich thu do ’n cheannachd, agus is lom an ni teangadh na meidh, a’ Mhurachaidh. MUR.—Tha i ann sin gle lom, ach cha ’n fhaigh neach sam bith na h-uile nithe mar bu mhaith leis. Bhiodh e uime sin, ’n a ni taitneach na ’m biodh na h-uile fear lan riaraichte le chrannchur fein. COIN.—Gle cheart, a Mhurachaidh, ’s e dleasnas nan uile a bhi toilichte le ’n staid fein, gu sonraichte ma bhios cuisean ag eirigh gu ceart leo, agus an spreidh aca a’ cinneachadh mar bu mhaith leo. MUR.—Direach sin, a’ Choinnich, an uair nach laidh droch shuil orra, agus nach gnathaichear cleas, no giseag chum cur as doibh, no dochunn sam bith a dheanamh orra. COIN.—Seadh, seadh, tha mi ga d’ thuigsinn, a Mhurachaidh, oir tha thu a’ deanamh fochaid orm a nis, air son na thubhairt mi riut a cheana mu na geasan agus cleasan a rinneadh le droch shluagh anns gach linn chum cuid an coimhearsnaich a mhilleadh agus a sgrios. Ach thubhairt mi sin, agus their mi fathast e; cha ’n ’eil feum an fhirinn a chealachadh air chor sam bith. MUR.—Tha fios agam gu ’m bheil thusa a’ toirt lan chreideas do na nithibh faoin sin uile, a’ Choinnich, agus air duit eolas a bhi agad orra, feumaidh tu cuid diubh a leigeadh ris domh a reir mar is cuimhne leat. COIN.—Is minic a chual mi m’ athair agus mo shean-athair a’ labhairt air an t-seol air an robh muinntir anns na seann linntibh a’ toirt lan-chreideas do nithibh dhe ’n t-seorsa sin. Bha iad a’ toirt geill do bhuidseachd, dubh-chleasachd, druidheachd, geasadaireachd, fiosachd, agus nithe de ’n ghne sin; agus cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh mor-chumhachd aig na sithichibh, oir bha iad lionmhor anns gach sgireachd, far am faicear gu ruig an la ’n diugh na ficheadan de na tolmanaibh uaine sin, anns an robh iad a’ gabhail comhnuidh. MUR.—Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil tolmanan uaine ri ’m faicinn anns gach aite, agus mar an ceudna tolmanan dubh, agus tolmanan de gach meud, cumadh, agus gne, ach ciod dheth sin, a Choinnich, cha d’ fhag sin iad ’n an ionadaibh-comhnuidh do na sithichibh ged a theirear “sitheana” gu ’n teagamh riutha. COIN.—An creid thu so, a’ Mhurachaidh, bha mo sheanair air oidhche araidh, a’ dol seachad air an t-Sithean-Mhor ’s a’ Ghleanndubh agus chual e ceol agus dannsa ’s a’ chnoc, agus chunnaic e le ’shuilibh boisgean soluis mar ann an seomar arsuing ann an cridhe a’ chnuic, agus stad’ e a dh’ eisdeachd ris a’ cheol agus an aighear. MUR.—Tha eagal orm, a’ Choinnich, gu ’n robh boinnean beag ann an suil do sheanair air an oidhche sin, ach biodh sin mar a dh’ fheudas, ciod tuilleadh a th’ agad ri radh mu ’n timchioll? COIN.—Cha ’n ’eil a’ bheag de dhroch ni agam ri aithris mu ’n timchioll idir, a’ Mhurachaidh, oir bha iad riamh neo-lochdach mar cuirteadh fearg orra, oir ’s e Daoine-sithe a bha mar ainm orra, agus bha iad anabarrach cairdeil riusan a bhiodh caoimhneil riu, ach mur biodh, dheanadh iad gun teagamh droch cleasan air an luchd-saruchaidh, agus ghoideadh iad na leanaban aca air falbh, gu sonraichte mar biodh na leanabana sin air am baisteadh. Bha iad, mar an ceudna, ro dheigheil air mnathaibh oga a ghlacadh, agus air an toirt air falbh leo, chum banaltran a dheanamh dhiubh do ’n chloinn bhig aca fein anns na sitheanaibh aca. Dhunadh iad a stigh iad ’n an seomraichibh uaigneach fein, far an gleidhteadh iad ficheadan bliadhna gun aois a bhi luidhe orra idir. Feudaidh e bhith gu ’m fagadh iad seana chailleachan anns na teaghlaichibh sin as an goideadh iad na mnathan oga, agus cha robh na cuisean sin idir taitneach do na companaich aca. MUR.—Cha ’n ’eil iognadh orm ged nach biodh, a’ Choinnich, oir cha robh an iomlaid a rinn iad idir taitneach. B’ fhearr leat fein cur suas le Seonaid choir ged nach biodh i co airidh ’s a ta i air do dheagh-ghean, na gu ’n tugteadh air falbh i, agus cailleach ghreannach, ghlas fhagail ’s a’ Ghoirtean-fraoich ’na h-aite. Ach innis domh, a’ Choinnich, o’n tha eolas agad orra, ciod bu [TD 379] [Vol. 4. No. 48. p. 3] choslas do na sithichibh sin, agus ciod a’ ghne sgeudachaidh a bha iad a’ cur umpa fein? COIN.—Bha ionadan-comhnuidh ro mhaiseach aca, seomraichean aluinn a bha mor, farsuing, ard, agus air an lionadh leis gach greadhnachas. Chumadh iad cuirtean anns na luchairtibh riomhach aca, agus rachadh iad cuideachd ’n am buidhnibh sgiamhach. Air amannaibh bheireadh iad na raointean orra ’n an comhlahnaibh mora, a’ marcachd oir steud-eachaibh sneachd-gheala! Bha iad air an sgeudachadh ann an trusganaibh soilleir uaine, a bha sgiamhach thar tomhais, agus bha iad uile ’g an nochdadh fein anns an aon ghne eididh aluinn sin, a bha dealrach mar sholus na greine. Mar bri trice mu mheadhon oidhche, bha iad a’ fantuinn a stigh ’n an seomraichibh uaigneach fein a’ cluicheadh agus a’ dannsadh gu am brisidh na faire, agus an sin bhiodh tosd agus samhchar ann gus an tigeadh an ath oidhche. Ach cha chualas riamh ceol co binn ’s a bha air a sheinn leo nan aoidheachd fein. Agus mar a thubhairt mi cheana, chual mo sheanair an ceol sin anns an t-Sithean-Mhor ’n am dha air oidhche araidh a bhi ’gabhail na slighe seachad air. MUR.—Tha thu a’ cur iongantais orm, a Choinnich, agus ma ’s maith mo bharail, is e an ath ni a chluinneas mi o d’ bhilibh gu ’m fac thu le d’ shuilibh fein na daoine-sithe sin, agus gu ’n cual thu le d’ chluasaibh fein am binn-cheol leis an do chuir iad air chrith na glas-chnocan sin anns an robh iad ri ruiteireachd co mor. COIN—Comadh leat-sa, a’ Mhurachaidh, tha thusa mar a bha thu riamh, a’ deanamh fochaid orm-sa, ag radh rium gu ’m faicinn le mo chluasaibh sud agus so. Ciod leis am facinn ach le mo shuilibh, agus leis an cluinninn ach le mo chluaoaibh? Ach so agad e, a’ charaid ionmhuinn, chunnaic agus chual muinntir na nithe so, a bha ’n an la ’s ’n an linn fein ceart co firinneach, creideasach ri Murachadh Ban no ri Coinneach Ciobair, agus e’ ar son, uime sin, a bheireamaid mi-chliu no smal orra-san a bha co glic, ceart, treibhdhireach ’n an giulan fein ri neach sam bith ’s an linn a tha lathair? Na deanamaid tais orrasan a dh’ fhalbh? MUR.—Ud! Ud! a’ Choinnich, na gabh co bras ’s an t-sroin e, oir cha chuir mise smal no mi-chliu air athair, no seannair, no air neach sam bith, do bhrigh gu ’m bheil cead aig na h-uile teachd beo ’n am barail fein; ach an deigh sin, cha’n ’eil mi ’faicinn gu ’m bheil reuson, no tuigse, no taisbean, a’ toirt an dearbhaidh a’s lugha, gu ’m bhesl, ann am firinn, steigh sam bith air son nan nithe sin d’ am bheil thusa ag aomadh, agus a’ toirt lan-chreideis. Do ’m thaobh fein dheth, cha d’ thug, agus cha toir mi geill dhoibh, agus cha mhor a bheir, ann an soilleireachd nan linn a ta lathair. COIN.—Air do shocair ort,’ a Mhurachaidh air do shocair ort, agus na bi gu tur bras agus ceannlaidir, oir thi mi ’s a’ bharail gu’ m bheil an Fhirinn fein a’ leigeadh ris duinn gu ’n robh muinntir ann o shean aig an robh cumhachd de ’n ghne so, agus a nochd e gu soilleir, agus gu follaiseach MUR.—Is maith a tha mi ga d’ thughsinn, a Choinnich, agus s taitneach gu ’m bheil thusa a’ rannsachadh nan S r obtuir gu bhi ’faicinn nan nithe a chuireadh an ceill annta mu’n luchd-fiosachd, na daoine-glice, na druidhean, na speuradairean, agus iadsan aig an robh leannan-sithe, agus an leithidibh sin; ach faic, agus tuig so, fhir mo chridhe, cha ’n ’eil mise a’ creidsinn gu ’m bheil Focal na Firinn a’ cur an ceill ann an aite sam bith gu ’n robh a leithid do chumhachd air a thoirt leis an Ti a’s Airde do mhac an duine, chum nithe de ’n ghne sin a dheanamh. COIN.—Is iongantach leam do bhriathra a chluinntinn, a Mhurachaidh. Nach ’eil thu ’faicinn ciod a rinn na druidhean ’s an Eiphit, agus ciod a rinn a’ bhean aig an robh an leannan-sith ann an Endor? Nach ’eil thu a’ creidsinn gu ’n do thog i Samuel o na marbhaibh an uair a thubhairt Saul rithe, Dean fiosachd dhomh-sa, guidheam ort, leis an leannan-shith, agus tog suas dhomh esan a dh’ ammicheas mi dhuit! MUR.—Ochan! a’ Choinnich, is mise nach ’eil a’ creidsinn gu ’n do thog an droch bhean sin Samuel riamh o staid nam marbh, ni mo tha mi’ creidsinn so, gu ’n do cheaduich an Cruithear do ’n droch spiorad e fein a nochdadh am an riochd Shamueil, chum peanas a thoirt air Saul a bha ’n a shamhladh air Satan. Cha ’n ’eil e iongantach gu ’n nochdadh Satan e fein ann an riochd Shamueil, an uair a cheaduicheadh dha “e fein a chur ann an cruth aingil soillse.” Na biodh, uime sin duil agadsa gu ’n do cheaduicheadh riamh do droch-dhaoinibh trioblaid a chur air fois nan naomh, no an tabhairt air ais do ’n t-saoghal so á saoghal nan spiorad air iarrtas Shatain, athair nam breug. COIN.—Ubh! Ubh! a’ Mhurachaidh, is leoir na nithe sin chum ceann duine a chuir ’n a bhreislich, cha ’n ’eil mi fein ’gan tuigsinn; tha iad tuilleadh ’s domhain agus diomhair air mo shon-sa; ach chi mi ciod a their an seann Mhinistear coir againn, Maighstir Seumas m’an timchioll, agus taoghlaidh mi air gun dail a dh-fhaicinn ciod a their esan mu na nithibh sin. MUR.—Ro cheart, a’ Choinnich, ro cheart, agus aig an am leigidh sinn leis na sithichibh cadal a dheanamh, ach aig uair eigin eile, ma chaomhnar sinn, bithidh tuilleadh comhraidh againn mu na cleachdannaibh eugsamhla sin a bha air an coimhead le ’r luchd-duthcha fein anns na linntibh a dh’ fhalbh. ALASDAIR RUADH, sa Gaidheal. DEAGH BHARGAN.—Aig coinneamh Stuamachd a bha ann a bail’ àraidh, labhair fear obrach agus rinn e òraid ghasda. Bha paidhir de brògan briagh ùr uime. Ars esan: “Mu sheachdain an deigh dhomh sgur dhe’n òl, bha mi muigh agus thachair caraid orm. ‘’S math am paidhir bhròg a th’ agad,’ ars asan. ‘’Seadh, gu dearbh,’ arsa mi-fhin, ‘agus cha’n eil fhios ’am an creid thu mi, ach ’s e ’n t-òsdair a thug dhomh iad.’ ‘Bha sin gle chaoimhneil dha, ars esan. ‘Bha,’ arsa mi fhin, ‘ach bha bhargan eadruinn. Bha esan ri chuid deoch a chumail aige fhéin, is mise ri m’ chuid airgeid a chumail agam fhin. Cheannaich an t-airgead sin na brògan dhomh. Fhuair mi chuid a b’ fhearr dhe’n bhargan, agus tha mi dol a leantuinn ris.’” Bha Eireannach uair air a chur air jury, agus ’nuair a thainig e dhachaidh bha ’bhean a faoighneachd dheth ciamar a chòrd e ris. “Cha’n eil meas sam bith agam air,” arsa Pat, “an uair nach eil ’sa chàs ach aon Eireannach, tha e soirbh gu leòr a dheanamh a mach co tha ceart; ach tha ’n dòlas air ’nuair a tha Eireannach air gach taobh!” [TD 380] [Vol. 4. No. 48. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 6, 1896. Tha fios air tighinn air an t-seachdain so, gu bheil luchd-àiteachaidh eilean Chrete air ar-am-mach a dheanamh an aghaidh nan Turcach, agus gu bheil na saighdearan Turcach a’ murt ’sa marbhadh nan Criosduidhean. Tha ’n t-eilean sin fo uachdaranachd na Tuirce o’n bhliadhna 1840, agus cuide ris gach àit eile tha fo cheannsal dhi, tha e a’ fulang gu goirt. Rinn an sluagh ceannairc mhor ’sa bhliadhna 1878, cho mor ’s gu’m b’ fheudar do’n t-Sultan tomhas de fhéin-riaghladh a thoirt daibh. Ach air an turus so, o’n thòisich na Turcaich fhéin, tha iad a cur rompa gu’n saor iad iad-féin gu buileach as an làmhan. Tha ’n Sultan a cur àireamh mhor ’de shighdearan dh’ an eilean air son cur as do’n cheannairc. Tha Breatuinn, a’ Ghréig, agus rioghachdan eile a cur shoithichean cogaidh dh’ ionnsuidh an eilean air son ceartas fhaicinn aig an cuid iochdaran féin a tha còmhnuidh ann. Tha cuid a deanamh dheth gu bheil iad a’ faicinn anns a cheannairc so an ni a tha ’dol a dh’ aobharachadh a chogaidh mhoir anns an Airde ’n Ear ris an robh dùil aig an t-saoghal o chionn àireamh bhliadhnaichean. A chòir fhein do na h-uile fear. A’ chuileag a dh’ éireas as an òtraich, is i a’s mò a ni srann. A’ chungaldh-leighis a’s goirte, is i gu tric a’s fhearr a leighiseas. Sgeul A Tigh-oil. Chaidh duin’ òg a stigh do thigh-òil ann am baile beag, agus dh’ iarr e deach de stuth làidir. “Cha’n fhaigh,” arsa fear an taigh-òil, “tha tuilleadh ’sa chòir agad cheana. Bha ’n dearg chaothach ort leis an daoraich aon uair ’s cha reic mise boinne tuilleadh riut.” Chaidh an duin’ òg a leth-taobh a dheanamh rùm do dhithis dhaoin eile, na b’ òige na e-fhéin, a thainig a stigh ’s air ’n do chuir fear am taighe fàilte chridheil, a feòrach ciod a bha dhith orra. Sheas e an sin gu dannara gus ’n do dh’ òl gach fear a ghlaine, agus an sin choisich e null far an robh fear an taighe, agus thuirt e—“Sia bliadhna air ais, sheas mise ’cheud uair far am bheil na daoin’ òg ud ’nan seasamh an dràsda. Bha mi an uair sin ’nam dhuine air an robh choltas deanamh gu math a’ tigh’n troimh ’n t-saoghal. An diugh, cha’n eil annam ach duine truagh caillte eadar chorp us inntinn. Bhuair thusa mi dh’ ionnsaidh an òil. Anns a cheart sheòmar so dh’ ionnsuich mi an cleachdadh a tha ’n deigh mo sgrios. A nise, thoir dhomh glaine no dha eile agus bidh t-obair criochnaichte; bidh mise criochnaichte. Cha’n fhada gus am bi mi as an rathad; cha’n eil dòchas dhomh ann. Ach gabhaidh iadsan sàbhaladh; faodaidh iadsan a bhi ’nan daoine fhathast. Na reic deoch-làidir riutha-san. Reic riumsa i, agus leig leam bàsachadh, agus bidh an saoghal cuibhteas mi; ach air sgàth gach ni a tha math, na reic an còrr riutha-san.” Dh’ éisd am fear eile ris, ’s e air chrith ’s cho bàn ris an anart. Thilg e uaith ’n t-searrag as an robh e toirt na dibhe, ’s ars esan, “Gu’n cuidicheadh Dia leam, ’s e sid am boinne mu dheireadh a reiceas mise ri m’ bheò!” Bha aireamh de mhnathan uasal a’ gabhail sgriob aon latha blath agus thachair iad air duine bhochd a bha tarruinn uisge a tobar-tàirne agus e gun bhoineid air a cheann. Thuirt aon de na mnathan ris, “A dhuine bhochd! Mur faigh thu boineid ni a’ ghrian coire do d’ eanchainn.” “Nan robh eanchainn agam” ars esan “an saoil thu gu’m bithinn aig obair de ’n t-seorsa so?” A’ bualadh na tarraing air a ceann. A’ chiad bhliadhna, bliadhna nam pòg, ’s an dara bliadhna, bliadhna nan dòrn. STOR UR TAILLEARACHD. ri bhi air a fosgladh air an 10 la, ann an STOR W. E. PETERS. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MAC COINNICH & CO. Sidni, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 381] [Vol. 4. No. 48. p. 5] NAIDHEACHDAN. Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh call mor air na h-iasgairean air taobh a deas an eilean, gu h-àraidh orra-san a bha ’glacadh nan giomach. Bha moran de na trapichean air an tilgeadh air tir, agus ann an caochladh àitean b’ fheudar do na factoridhean a bhi ’nan tamh dha no tri lathaichean, le cion ’s nach robh doigh air na giomaich a ghlacadh. Theich cléireach, a bha ’g obair ann am banca am Montreal, as an duthaich o chionn treis a dh’ ùine, a’ giulan leis sporan math de dh’ airgead muinntir eile. Chuireadh as a dheigh, agus rugadh air anns an Fhraing; chaidh a thoirt air ais gu Montreal an la roimhe far am bheil aige ri cùirt a sheasamh. Tha e gle dhoirbh ’san latha ’n diugh do dhuine ciontach teicheadh far nach beir ceartas air, ma theid an lagh idir an tòir air. Tha an rionnach gle phailt mu chladaichean Nobha Scotia, agus rionnach math cuideachd. Thatar an deigh moran a ghlacadh. Tha na soithichean Geancach ’ga leantuinn gach taobh an téid e, a dol cho faisg air tir ’sa leigeas an lagh leotha, agus air uairean na’s fhaisge. Chaidh aon soitheach a ghlacadh an taobh a stigh de’n tri mile air an t-seachdain s’a chaidh: chaidh a toirt a stigh do Halifax far am bi i gus am pàigh an sgiobair càin air son e bhi bristeadh an lagha. Thainig corp Ailein Mhoireastan, a mhuinntir Beinn a Mharbail, dhachaidh á Great Falls, Montana, air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e mach dh’ an àite sin o chionn da bhliadhna. Fhuair e goirteachadh mu mheadhon a mhios a dh’ fhalbh a thug a bhàs an ceann beagan lathaichean. Bha e da fhichead bliadhna ’sa naodh a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us sianar mhac. Bha fear de mhic air falbh còmhla ris, agus thainig e dhachaidh le ’chorp, gus a chur fho’n fhòd am measg a chàirdean. Chaidh còrr us seachd ceud a mharbhadh ann an St. Louis ’s anns an dùthaich mu’n cuairt air, an Stàit Missouri, leis an stoirm a bha ann air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig an stoirm le luaths anabarrach, cho luath ’s nach robh ùine aig feadhain a bha air na stràidean teicheadh do na taighean, ach bha iad air an sguabadh as an seasamh. Rinneadh sgrios uamhasach air a bhaile; agus b’ iomadh sealladh cianail a chunnacan ’nuair a bha ’n stoirm seachad ’sa thòisich iadsan a bha beò ri sireadh an càirdean am measg nam marbh, pàrantan a faotainn an cloinne, ’s clann a faotainn am pàrantan. Ann an aon chearna dhe’n bhaile bha ospidal anns an robh mu cheithir cheud gu leth de dhaoine tinne; ’nuir thàinig an stoirm, theich iadsan aig an robh ’n comas a mach, ach bha chuid mhor dhiubh gun chomas gluasad, agus chaidh am marbhadh le tuiteam an taighe. Ann am baile eile chaidh taigh-sgoile a leagail, agus bha còrr us leth-cheud de na sgoilearan air am marbhadh. ’Si so stoirm cho caillte ’sa bha riamh ri cuimhne dhaoine ann an America. Chaidh an sgeul mu’n cuairt air an t-seachdain s’a chaidh gu’n deachaidh fear Blakely a robaigeadh ann am Parrsboro, N. S. An deigh dha fios a chuir dh’ ionnsuidh nam bancaichean anns an robh a chuid airgeid, ’s ùpraid mhor a dheanamh uime, fhuair e an t-airgead ’s na paipearan gu sàbhailte fo linigeadh a chòta, far ’n do dh’ fhuaigh e-fhéin iad air son tearuinteachd, agus dhi-chumhnich e gu’n do chuir e ann iad. Thug duin’ òg do’n ainm Anslem Mac Ille-mhaoil, a tha fuireach faisg air Hillsboro, an Eilean a Phrionnsa, ionnsuidh air tigh’n ri bheatha fhéin a sheachdain gus an diugh. Chaidh a phiuthar a mach dh’ an bhàthaich agus fhuair i e ’n crochadh ri te de na sailthean. Ghearr i-fhéin agus nighean eile bha còmhla rithe an rop, chuir iad na shineadh air an ùrlar e, agus chuir iad fios air dotair. Bha e fada gun fhios aca co-dhiu bha e beò no marbh, ach mu dheireadh thainig e uige, agus tha choltas air a nise gu’n teid e am feabhas. Tha iad a deanamh mach gu’n do ghabh e puinnsean mu’n d’ thug e ’n ionnsuidh air e-fhéin a chrochadh. Bha e ann an droch shlàinte fad an earraich, agus theagamh gur e sin a thug air feuchainn ri cur as da fhéin. Thachair ni uamhasach ann an Ruisia air an t-seachdain s’a chaidh an co-cheangal ris a chridhealas a bhatar a deanamh an deigh crùnadh an Iompaire. Is abhaist aig crunadh nan Iompairean a bhi deanamh cuirm mhor do na daoine bochda, agus lan chead a bhi aig na h-uile air an leòr, de bhiadh ’s de dheoch a ghabhail gu saor agus an nasgaidh. Bha a chuirm sin air a deanamh air an turus so Di-satharna s’a chaidh, air còmhnard Chodnysky, a mach á baile Mhoscow. Bha sluagh gun àireamh cruinn: thatar a’ meas nach robh na bu lugha na còig ceud mile ann air fad. Thòisich iad air dòmhlachadh timchioll air na bùithean anns an robh ’m biadh ’ga riarachadh, agus ann an ùine ghoirid, bha àireamh cheudan air am prannadh gu bàs. Cha robh maoir gu leòr a làthair gus an cumail air ais no rian a chumail orra, agus mar sin rinneadh an call. Ths iadsan a bha láthair an deigh do’n arm an sluagh a chur m’a sgaoil ag radh gu’m bu shealladh oillteil a bhi faicinn nan corp, daoine ’s mnathan ’s clann, air am prannadh ’s air an stampadh fo na casan gus nach aithn-cheadh eadhon an càirdean iad. Tha na maoir ag radh gu’n d’ fhuair iad còrr us aona ceud deug corp air an làraich, ach tha feadhain eile ag radh gu robh moran de na cuirp air an toirt air falbh le ’n càirdean, agus nach b’ urrainn àireamh nan marbh a bhi bheag na bu lugha na sia ceud deug. Tha an t-Iompaire a’ deanamh na’s urrainn da a’ cuideachadh an t-sluaigh bhochd a chaill an càirdean. Dh’ òrduich e mile rouble ($790) a thoirt do gach teaghlach a chaill duine; tha mar an ceudna an riaghladh a pàigheadh gach cosguis mu adhlacadh nam marbh, agus tha teann òrdugh aig na dotairean anns na taighean-eiridinn gach dichioll a dheanamh air iadsan a bha air an leònadh a leigheas. IUN, 1896. 1 Di-luain. Blar Dhrum colg 1679. 2 Di-màirt. (3) Breith T. àig ’Ic Leòid,’12 3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768 4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad. 5 Di-haoine 6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329. 7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid. 8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696 9 Di-màirt. An Fheill Chaluim. 10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile. 11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29. mad. 12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488. 13 Di-sathairne 14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid. 15 Di-luain. Breith Dhomhnuill ’IcCoinich 1783. 16 Di-màirt 17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689. 18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815. 19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad. 20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain. 21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid. 22 Di-luain. (21) La a’s fhaide ’sa bhliadhna 23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861. 24 Di-ciaduin. An fheill Eathain. 25 Dior-daoin. Blar Allt a’ Bhonnaich, 1314. 26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad. 27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857. 28 DI-DONAICH. IV Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil. 30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1685 Bathar Tioram. AIG IAIN A. MacCOINNICH & CO. FIACH $15,000. ri bhi air a chreic a mach anabarrach saor Caileagu o 3½c. suas Anart Buidhe 3c suas Anart Geal 4c suas Leintean Geala air 59c. suas Taghil a stigh agus GHEIBH THU BARGAN. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 [TD 382] [Vol. 4. No. 48. p. 6] ELIAH. (Air a leantuinn.) Bha cridheachan an t-sluaigh cheana aontaobhach, fuar, agus caoin-shuarach: bha briathran am beòil miodalach, agus smuaintean diomhair an cridhe neo-gheamhnuidh; agus air an aobhar sin, bha e furasda do’n Bhan-righ Iesebel a run ’sa h-iarrtuis féin a ghabhail agus a nochdadh. Ach cha ghiulan an Tighearna daonnan le easumhlachd ’us aingidheachd na rioghachd sin anns an robh ainm ’us onair ’us glòir an Ti Naomha aithnichte ’s measail o aimsir fad air chùl. Faodaidh a’ bean iodhail aoraidh naimhdeil sin, Iesebel, agus iadsan a bha co lag-chridheach agus co bheag muinghin ann an Dia agus co bheag meas air ’onair, air ainm ionmholta ’s air reachdan—faodaidh iadsan agartas an coguisean féin a chiùineachadh agus a mharbhadh leis an dòchas nach toir Dia Iacoib fainear, agus gum faigh iad iomadh la grianach sùgrach a chaitheamh ann an anamiannan ’us ann an an-tograidh an cridheachan féin, gidheadh cha-n ’eil na làithean lionmhor no fada air falbh, anns am mothuich iad-san gu goirt gu bheil an Tighearna Dia uile-chumhachdach—gun choimeas idir dha; gu bheil e ro-eudmhor mu dheibhinn na h-onair agus an urraim a bhuineas dhasan agus dhasan a mhàin gu dligheach, oir is Esan àrd-chruithfhear na talmhainn, agus nach toir e air chòr air bith a ghlòir féin do neach eile. Ann an tùs Cinneadalachd nan Eabhruidheach dh-oibrich e oibrean iongantach agus miorbhuileach ann an tir na h-Eiphit, agus chriothnaich gach fine a chuala an sgeul le oillt. Eirichidh an Tighearna ann an ùine ghearr ann an glòir a mhòrachd, agus islichear sealladh uaibhreach nan daoine mora, agus leagar sios àrdan nan daoine suarach, agus bithidh an Tighearna ’n a aonar air àrdachadh anns an la sin ann an rioghachd Israeil agus an sealladh Ahaib ’sa mhnaoi Isebel. B’e Maois, òglach féin, am meadhon trid an do chuir an Tighearna na gniomharan iomraiteach ud an gniomh an t;ath bha e ’toirt fuasglaidh do shliochd Iacoib as an teanntachd mhaslach truagh anns an robh iad re bliadhnachan co lionmhor. Aig an àm so, mar an ceudna, am feadh a tha e ’dol a ghabhail dioghaltais air sluagh us ceannardan seachranach, mi-naomha Israeil mar bu ghnàth leis, tha e roghnachadh neach curanta, gaisgeil, meamnach, neo-sgàthach airson a thoil oirdheirc féin a chur an céill. Is e an dream foghainteach, eudmhor so, Eliah an Iishbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead. Is esan aig an robh ionad còmhnuidh air taobh thall Iordain ann an cearnan iomallach na tire, ’thainig a dh-ionnsuidh an t-sluaigh uile ’s a thubhairt: “Cia fhad a bhitheas sibh ’san iomchomhairle eadar dha bharail. Ma ’s e ’n Tighearna a’s Dia ann leanaibh E, ach ma ’s e Baal leanaibh esan. Is e seirbhis chruaidh, chudthromach, mata a tha aig Eliah r’a dheanamh. Tha aoradh Bhaal a’ buadhachadh ann an Israeil. Tha uachdarain ’us iochdarain le aon chridhe ’toirt ùmhlachd do’n dia a rinn iad dhoibh féin, do’n dia nach bacadh iad bho bhi leantuinn amaideachd us ruidhtearachd air bith. Tha Bhan-righ choimheach a’ toirt aoidheachd do na fàidhean a tha toirt aire do chreidimh Bhaail. Tha i eadhon ’g am beathachadh aig a bòrd féin. Is e da rireadh àm oillteil agus bagrach a tha ann. Cha chluinnear guth cronachaidh am measg an t-sluaigh gu léir. Tha iad balbh ’us tosdach. Tha geillt us uamhunn a lionadh an cridheachan. Tha naimhdeas nimheil, guineach air a thaisbeanadh an aghaidh nan daoine umhail còire aig am bheil fathast gràdh do Dhia an aithrichean, agus a tha air an cràdh gu géir do bhrigh gu bheil suidheachadh na dùthcha ’s àbhaistean an t-sluaigh co fiar, co claon ’s co amaideach. Tha ’n iarmad beag a tha fathast cuimhneachail air ainm ’s air onoir an Dia Iehobhah ’g am folach féin ann an còsaibh nan creag ’s air feadh chreachainn nam beann, oir tha uachdarain na dùthcha fuileachdach, iargalta ’s alluidh. Cha-n ’eil neach ann a’ seasamh suas gu duineil ’us gu neo-sgàthach airson glòir ’us urraim an Tighearna. Gidheadh an uair a tha e ’roghnachadh an àm a tha taitneach ’us freagarrach na shealladh féin, tha duine cumhachdail misneachdail—laoch treun, aghartach, ag éirigh suas. Tha duine molach, comhdaichte le falluinn, agus crioslaichte le crios leathair m’ a leasraidh, a’ tighinn as an dùthaich gharbh a tha air taobh thall Iordain. Cosmhuil ri Melchisedec, air am bheil iomradh aithghearr air a dheanamh, tha luchd-daimh us sinnsearachd Eliah air an cumail am folach oirnn. Gu h-obann tha e bristeadh a stigh anns an eachdruidh mar reul dealrach ann an tiugh dhorchadas, mar ghath soluis us eòlais am measg aineolais us aingidheachd. CONA. (Ri leantuinn,) BHA I ANN.—B’ abhaist do Righ àraidh a ràdh nach do thachair riamh olc sam bith anns an t-saoghal gun bhean a bhi aig a bhun. Bha e ’dol mu’n cuairt a lùchairt aon latha agus chunnaic e bannal dhaoine a’ giùlan duine eile eatorra. Dh’ fharraid an Righ ciod e a dh’ éirich do’n duine bhochd, agus fhuair e mach gu’n do thuit e bhar fàraidh, agus gu’n robh aon de lurgainnean air a brisdeadh. “Càit am beil a’ bhean?” ars an Righ. “Cha-n ’eil bean ann idir,” fhreagair aon de na h-ard-uaislean. “Tha mise cinnteach gu’m beil,” ars an Righ. Dh’ fhoighnich iad ris an duine bhochd e-fein, agus is ann a bha a’ chùis direach mar a thuirt an Righ. Bha an duine ag amharc air mnaoi a bha ’dol seachad, chaill e a ghréim air an fhàradh agus thuit e gus an làr. Tha fathunn a dol mu’n cuairt ann am Breatuinn gu bheil Prionnsa Wales anabarrach trom-inntineach riamh o’n chaochail Eanruig Prionnsa Bhattenburg. ’S e ’s aobhar dha sin fiosachd a rinneadh dha beagan bhliadhnaichean air ais. Chaidh e-fhéin ’s Prionnsa Bhattenburg gu bana-cheàrd uair air son i dh’ innse am fortain dhaibh. Dh’ innis i dha-san nach biodh e ’m feasda ’na righ air Breatuinn, agus do Bhattenburg gu’m faigheadh e bàs ann an dùthaich theth mu mheadhon an t-saoghail. Thainig cuid Bhattenburg dhe’n fhiosachd fior; chaochail e air cladach Africa, agus tha ’n t-eagal air Prionnsa Wales gu’n tig a chuid-san dhe n fhiosachd fior mar an ceudna. Fhuaireadh clàrsaichean ann an cuid de na h-àiteachan-adhlacaidh anns an Eiphit còmhla ris na mummies. Ann am feadhain dhiubh bha na teudan slàn, agus dheanadh iad fuaim binn an deigh dhaibh a bhi ’nan laidhe balbh, sàmhach, o chionn tri mile bliadhna. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. [TD 383] [Vol. 4. No. 48. p. 7] Litir a Lunnainn. A DHEAGH CHARAID:—Chithear ann an Irisleabhar na Gaidhlige iomradh mu’n Ghaidhlig anns na sgoilibh Eirionnach. Anns a’ bhliadhna 1895 bha i air a teagasg ann an tir fichead agus tri sgoil; bha 1185 sgoilear air an ceasnachadh agus thàinig 757 diubh troimhe gu soirbheachail. Tha luchd-riaghlaidh nan sgoilean a’ pàidheadh 161 fhear-teagaisg aig am beil teisteanas airson na Gàidhlig, agus tha na h-àireamhan a’ meudachadh gach bliadhna. Bha latha eile ann, ’nuair a thairg na Sasunnaich a’ cheart duais airson ceann Mhaighstir-sgoil Eironnaich agus a thairg iad airson ceann mhadaidh-allaidh. O chionn còig bliadhna diag, cha robh sgoil ri faighinn feadh Eirinn gu léir, anns an robh facal Gàidhlig air a theagasg, ach mu ’n àm sin chaidh Comunn Gàidhlig a’ steidheachadh le fir-teagaisg nan sgoilean, agus thòisich iad air gluasad a dheanamh a thaobh na Gàidhlig. Rinn iad sior ghluasad agus chuir iad impidh agus dragh air luchd-riaghlaidh nan sgoilean gus an d’ fhuair iad beagan leasachaidh; lean iad air so a dheanamh bliadhna an deidh bliadhna, gus an latha an diugh, agus tha a’ bhuil ann. Tha mi an dòchas gu’n toir na Gàidheil Canadach a chùis fainear. Tha na Sagartan agus na Maighstirean-sgoil ’nan càirdean dìleas do ’n Ghàidhlig ann an Eirinn, ach anns a’ Ghàidhealtachd is iad na Ministirean agus na Maighstirean-sgoil a’ cheart fheadhainn a tha direach ’na h-aghaidh. Tha cuid-eiginn a’ foighneachd an robh na Gàidheil riamh air deireadh ann an nì sam bith? Tha mi gle dhuilich a ràdh gu’m beil na Gàidheil Albannach gle fhada air deireadh anns a’ ghnothach so, oir cha robh ann an Albainn an uiridh ach mu thri cheud sgoilear air an ceasnachadh anns a’ Ghaidhlig. Tha a’ choire aig na Gàidheil iad féin oir an àite bhi gabhail a’ ghnothaich os làmh gu sùrdail mar bu chòir dhaibh a dheanamh, is ann a tha iad ’ga fhàgail do dhaoine a tha coma ma bhitheas a’ Ghàidhlig beò no ma gheibh i bàs. Tha na h-Eirionnaich da-rireadh; tha iad a’ deanamh na h-oibre iad féin agus bithidh soirbheachadh leo. Buaidh agus piseach leibh agus leis an aon Phaipeir-Naigheachd Gàidhlig a tha anns an t-saoghal. Is mi ur caraid dileas, LAMH LAIDIR. Lunnainn 18, 5, 96. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard-chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 384] [Vol. 4. No. 48. p. 8] Mairi Ghaidhealach. LE RAIBEART BURNS. Gach sliabh, gach bruach ’s gach sruth mu’n cuairt Do’n Chaisteal aig Montgomerie, Biodh uaine dreach gach craoibh ’s gach preas, ’S fuiricheadh glan gach brùn a th’ ann. Oir ’s ann a sgaoileas samhradh caoin, Air tùs a thrusgan àillidh, ’S gur mall e triall, bho’n ’s ann a ghabh Mi soraidh le mo Mhàiri. Feadh beithe ùir is cùbhraidh flùir ’S gach tom fo bhlath ’s fo dhuilleach Gu’n ghlais mi i, fo sgàil nan craobh, Le aoibhneas ri mo bhoilleach. Thairis sgiathaich aimhlein tim Le uairean òir gun àireamh, Oir cheart cho dian ri beatha ’s grian Bha dhòmhsa comunn Máiri. Le comunn tlàth gu’n dhealaich sinn, ’S chuir pòg air bòidean seula; ’S a’ gealltuinn coinneachadh gu tric Shrac sinn ar glac bho chéile. Ach meilich bàs an cridhe blàth, ’S a Chéitein reòth mo dhithein; ’S gur gorm na pluic, ’s tha talamh fuar Fo ’m bheil mo ghaol ’na sineadh. Na bilibh ruiteach ’s bàn a nis A phòg mi tric le aoibhneas ’S chrion an t-sùil a lasadh ciùin A’ sealltuinn orm le aoibhneas; ’Sa’ dol ’na smùir a shéimh na h-ùir, Tha ’n cridh’ bha ormsa gràdhach, Ach mairidh spéis mo chridhe beò ’S mo ghaol do Mhàiri Ghàidh’leach. —Edar. le MURCHADH MAC RATH. CUMHA MHIC CRIOMAIN. [Tha sinn a’ clò-bhualadh a’ chumha so air iarrtus aon de ’r luchd-leughaidh. Bha e anns a’ phaipeir roimhe, ach o nach eil e ro fhada, cha dean e cron a chur ann an uair darra.] Dh’ iadh ceò nan stùc mu eud ann Chuilinn, Us sheinn ’bhean-shìth a torm an mulaid, Gorm shùilean ciùin ’san Dùn a sileadh, O’n thriall thu uainn ’s nach till thu tuille. Cha till, cha till, cha till Mac Criomain, An cogadh no sìth cha till e tuille; Le airgiod no nì cha till Mac Criomain, Cha till e gu bràth gu là na cruinne. Tha osag nam beann gu fann ag imeachd, Gach sruthan ’s gach allt gu mall le bruthach; Tha ealtainn nan speur feadh gheugan dubhach, A’ caoidh gu ’n d’ fhalbh ’s nach till thu tuillle. Tha’n fhairge fa-dheòigh làn bròn ’us mulaid, Tha ’m bàta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal; Tha gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach, Ag radh gun d’ fhalbh ’s nach till thu tuille. Cha chluinnear do cheòl ’san Dùn mu fheasgar ’S mac-talla nam mùr le mùirn ’ga fhreagairt; Gach fleasgach ’us òigh gun cheòl, gun bheadradh, O’n thriall thu uainn ’s nach till thu tuille. LAOIDH. Bho Ghreenland, tìr nam fuar-bheann, Thar chuan-o India chéin, Bho Africa le ’fhuarain A’ cluich gu luath ’s a’ ghréin, Bho iomadh abhainn aosda, Bho raointean mheas is chrann, Cluinn éigheach air son saorsa Bho thruaigh ’s bho dhaorsa theann. Thar Innsean àigh ged shiùbhlas An oiteag chùbhraidh chaoin, ’S gach sìon ’ni tlachd do ’n t-sùil annt’, ’S gun ghràin, gun diù, ach daoin’; Is dìomhain pailteas fialaidh Mòr mhaitheas Dhia gach taobh, Tha cinnich d’ an cuid ìomhaigh A’ sléuchdadh sìos gu baoth. O, sinne ’tha fo ’n t-Soisgeul A’ mealtain soills’ na Gréin’, Nach tog sinn neòil na h-oidhche ’S na duibhr’ o chinnich bhréun? O lìonadh fuaim na Slàinte Gach ceàrn o chuan gu cuan, ’S an dùisg gach tìr gu h-aghmhor Ri ainm ’s ri gràdh an Uaìn! Togaibh an sgèul, a ghaoithean, ’S a thonnan aoghach, mòr, Bho thràigh gu tràigh ga sgaoileadh Mar aon chuan baoisgeach glòir’, ’S an aidich saoghal saorta Uan caomhail Chalbharì, Mar Shlàn’ghear, mar Fhear-saoraidh, Mar Chruithear naomh, ’s mar Rìgh. Dh’ fhalbh an t-Urr. I. F. Forbes air a thurus da’n t-Seann Dùthaich ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha dùil aige bhi seoladh á Halifax Dior-daoin. Tha dùil aige cuairt a chur air feadh na h-Alba agus an sin air tir-mor na Roinn-Eòrpa. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a’ chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 385] [Vol. 4. No. 49. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 13, 1896. No. 49. CHAILL E PARAS. Bha duin’-uasal uair a’ gabhail an rathaid air muin eich, agus air dha tigh’n gu cnocan beag gorm a bha ’n sin, chunnaic e duine a ruamhar, agus a h-uile buille bheireadh e, theireadh e, “O! ’Adhaimh!” Stàd an duin-uasal an t-each, agus ag eigheach air fear an ruamhair dh’ fheòraich e dheth c’arson a bha e ’g aithris ainm Adhaimh cho tric air an dòigh ud. “Mata, le’r cead,” ars an duine, “mur bitheadh Adhamh, cha bhiodh agamsa no aig aon eile dhe ’shliochd ri obair a dheanamh idir; na’n robh e fhéin us Eubh air an aire thoirt air an gnothuch, cha bhiodh aig neach sam bith ri aran làitheil a chosnadh le falus a ghnùise, mar a tha mise deanamh.” “Gle mhath,” ars an duin-uasal; “taghail a’s tigh agams’ am màireach.” Rinn an duine sin, agus chaidh a thoirt gu seòmar eireachdail, riomhach, a bha fosgladh a mach ri gàradh anns an robh gach craobh us meas a b’ àillidhe na chéile a fàs. Dh’fheòraich an duin uasal dheth am bu mhath leis a bhi fuireach ’na leithid sid a dh’ àite. Thuirt mac Adhaimh gu’m b’ eadh gu dearbh. “Ma ta,” ars an duin-uasal ris, “faodaidh tu fuireach ann, ’s cha bhi dith no deireas ort. Gheobh thu do bhraiceist, do dhinneir, ’s do shuipeir de gach biadh a’s fhearr, agus gu riaghailteach gach latha, agus faodaidh tu na thogras tu dhe de’ ùine chur seachad anns a ghàradh. Ach thoir an aire gu bheil mi toirt so uile dhuit air chumha, agus ’se sin nach seall thu fo’n truinnsear ghlas a tha air a bheul-fodha air meadhon a bhùird.” Chuir so aoibhneas mor air an duine; bha e ’smaoineachadh nach robh duine riamh cho fortanach ris, agus thuirt e ris fhéin nach robh cùram gu’n sealladh e fodh ’n truinnsear ghlas. Ach an ceann seachdain no dha thòisich an truinnsear ri dragh mor a chur air. Cha b’ urrainn dha dheanamh a mach gu de bha fodha. Dh’ fhaoide gu robh néamhuid luachmhor ann, agus dh’ fhaoide nach robh sian ann. Aon latha ’n uair nach robh duine timchioll, thuirt e ris fhéin gu’n toireadh e sùil fo’n truinnsear—cha bhiodh cron sam bith ann—cha bhiodh fhios aig duine gu’n d’ rinn e e; thog e, uime sin, oir an truinnseir agus feuch! ruith luchag bheag a mach fodha, ’s thug i mach an dorus oirre. Ghrad leig e ’n truinnsear air ais mar a bha e, ach bha an cron deante. An la ’r na mhàireach thainig an duin-uasal far an robh e. “Bi falbh!” ars esan, “’s thoir an ruamhar ort, agus na abair ‘O! Adhaimh!’ am feasda tuilleadh, oir rinn thu fhéin an ceart ni a rinn e,—àite-còmhnuidh alluinn a chall le easumhlachd.” Na Chunna mi ’s ’na Chuala mi. LE CATO. Na biodh eagal ort. Cha’n eil mi dol a thoirt ort éisdeachd ris gach ni a chunna ’sa chuala mi o’n rugadh mi. (Ged nach fhaca mi fior mhoran chuala mi gu leòr.) Cha’n eil mi ach a dol a dh’ innse dhuit mu na thachair rium air an t-seachdain s’a chaidh an uair a chaidh mi dh’ ionnsuidh na h-Aimhne Tuatha, gu coinneamh na District Lodge. Chaidh àireamh mhath ainmeachadh gus a dhol ann o’n Lodge againne, ach ’nuair thainig an latha, bha ’n seann radh air a choilionadh, “Tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh.” Ach dh’ fhalbh am beagan air an turus. Tha ’m feur gann mu’n àm so ’n bhliadhna, agus uime sin, mu’n d’fhàg sinn Baddeck, bha mòd againn feuch càite ’n deanamaid a cheud stad; dh’fheumamaid stad aig a’ cheud airte ’sam faigheamaid feur r’a cheannach. Le cuideachadh àireamh de mhuinntir a bhaile, dh’ aontaich sinn gu’n stadamaid aig àite Mhr. ’Ic Amhlaidh, aig ceann a bheighe, agus fhuair sinn e ’na dhuine anabarrach còir agus caoimhneil. Chuir sinn an oidhche seachad còmhla ris, agus ’sa mhaduinn dh’ fhalbh sinn air ar turus. Bha gach ni ag amharc gu math anns an dùthaich troimh ’n deachaidh sinn. Cha robh choltas air an spréidh gu robh dad a ghainne feòir no fodair orra. Ach chunna sinn aon each ri taobh an rathaid nach robh cho fortanach sin. Shaoileadh tu gu’m b’e fear de dh’ ainmhidhean caola na h-Eiphit. Coma co-dhiu, rainig sinn an Gut-a-deas, far an robh deagh shealladh againn air Beighe St. Ann’s; ach cha robh ach gle bheag eòlais againn air an liuthad rudha ’s còbh air an robh againn ri dhol seachad. Chaidh sinn thairis air aon leth-dusan Amhuinn a Tuath mu’n d’ rainig sinn an Amhuinn a Tuath fhéin. Chaidh sinn seachad air moran de chnocan de stuth bàn, agus bha bharail fhéin aig gach neach a thaobh ciod an stuth a bh’annta. Thuirt aon gur e marbal a bh’ ann, thuirt aon eile salann, agus bu mhath leamsa thoirt orm fhéin gur e siùcar geal a bh’ ann. Ach nuair a thainig sinn faisg orra, ’se bh’ann plaister. Aig àite ris an canar Rudha ’n Rothaich, bha sinn an sealladh na h-Aimhne Tuath, agus cha robh teagamh sam bith againn nach robh i tuath, moran na b’ fhaide tuath na dh’ iarramaid i bhi. Cha b’ fhada gus an d’rug sinn air cuideachd de ghillean ’s de nigheanan a dol dh’ an choinneamh. Is fior thoigh leam fhin miongan bòidheach, ach bòidheach ’s ’gan robh iad so, ’s e ’n ni bu bhòidhche leamsa aig an àm, a’ phoit ’s an coire a bha ’sa chuideachd. ’S fhad o’n chuala mi gu’m b’e ’n dòigh a b’ usa air cridhe duine ruigheachd, a bhiathadh gu math, agus aig a cheart àm bha mi ’faireachadh annam fhin gu robh an sean-fhacal sin gle fhirinneach. (Ri leantuinn.) Tha an t Onarach Daibhidh Mac Keen, a cur suas taighe dha fhéin faisg air Halifax, a tha dol a chosg coig mile fichead dolair. [TD 386] [Vol. 4. No. 49. p. 2] SEAN-FHOCAIL. BITHIDH DUIL RI FEAR FEACHD, ACH CHA BHI DUIL RI FEAR LIC. Bha Beatha a’ Ghaidheil an Albainn, rè a’ mhor chuid de eachdraidh, air a cuairteachadh le cunnairt air gach taobh, agus bha i neo-chinnteach thar tomhais; ach eadhon am measg nam pobull is siothchaile ’s is teuruinte crannchur, tha ’n fhirinn làn dearbhta nach ’eil dol as o’n Bhàs. Is moch ann an eachdraidh an t-saoghail a thainig a’ bhinn a mach,—“Is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu;” agus an cualas riamh iomradh air Lagh a fhuair umhlachd cho iomlan? Bhiodh e faoin a radh, agus cha bhiodh e fior, gu’n robh no gu bheil ar Sluagh ann an doigh shonruichte a’ creidsinn ann an neo-chinnteachd Beatha agus ann an cinnteachd Bàis. Is firinn so a tha aig gach Sluagh, co-dhiu tha iad eolach no aineolach, ciùin no borb, saor no daor. Ach am measg nan Gaidheal, saoilidh mi gu’m faighear, ann an co-cheangal ris a’ ghreim a rinn an fhirinn so air an inntinnean, doigh-chainnt, buaidhean, ’us cleachduinean a tha airidh air an rannsachadh. Tha na samhlaidhean anns a’ bheil cinnteachd a’ Bhàis air a chur f’ar comhair anns na Sean-fhocail Ghaidhealach ann an dlù cho-chordadh ri caithe-beatha an t-Sluaigh. Tha ’n Sgriobtur ag iomradh air “an tigh a dh’ orduicheadh do na h-uile bheò,”—air “an-iochdmhorachd na h-uaighe.” Tha ’m Bard Romanach a’ samhlachadh a’ Bhàis ri Maor amhuidh a bhuaileas gun letheachas aig talla an righ, ’s aig bothan an diol-deirce; agus gheibhear an smuain cheudna aig Rob Donn, ged nach cual’ e riamh iomradh air Horace: “’S i mo bharail gur fior sud, Gur àrd ’s gur iosal do shealladh; Thug thu Pelham á mòrachd, ’S fhuair thu Eoghan ’s a’ Pholladh.” Tha priomh Bhard Shasuinn a seinn mu’n “Tir bho nach till fear-turuis a chaoidh.” Ach gheibhear samhlaidhean dealaichte uapa so anns na Sean-fhocail Ghaidhealach. Bha ar n-Aithrichean a’ creidsinn gu’n robh crannchur gach neach air a shonruchadh ro-laimh le comhairle ghlic—àm ’us àite a’ Bhais cho maith ris gach ceum d’a Bheatha: “Is eigin dol far am bi ’n fhòid;” “Bheir foid a Bhreith ’s a Bhàis duine á àit’ ’s á eign.” Chunnaic sinn roimhe so an dearbhadh laidir a tha againn anns na sean-fhocail air cho duilich ’s a bha lòn fhaotainn ’n ar tìr. Ach gheibhteadh buaidh air an Acras ged nach faighteadh air a Bhàs: “Cinnidh mac a’ mhi-altruim, ach cha chinn e o’n aog.” Bha ar cladaichean o shean cho doirbh ’s a tha iad an diugh, ach cha robh ar bàtan cho comasach no ar Maraichean cho seòlta. Ged nach robh, “Bithidh dùil ri fear fairge, ach cha bhi dùil ri fear reilige.” B’e ’n coimhearsnaich naimhdean a bu chunnartaiche d’ar n-Aithrichean na eadhon an t-Acras no Mhuir. Gidheadh, “Is cruaidh an cath as nach tig aon fhear;” “Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear lìc.” Dh’earbamaid á daoine a bha air an iunnsachadh o’n òige ri cogadh ’s ri cruadal; a bha anns gach ceum d’am beatha buailteach do chunnairt mara ’s monaidh, gu’m biodh iad caoin-shuarach mu’m beatha, ’s gu’m faighteadh iad, ’n an cainnt cho maith ’s ’n an gniomh, a’ cur an ceill lughad an eagail roimh ’n “namhaid dheireannach.” Cha’n ann mar so a bha. Dhearbh iad, gun teagamh, gu minic agus air iomadh doigh, gu’n sealladh iad air “Righ nan uamhas” ’s an aodann gun tiomachadh. Theagaisg iad, le radh, le rann, le sgeul, ’s le eisempleir, gu’m bu chòir do neach, ann an aobhar freagarrach,—a chum còir a sheasamh, onoir a dhion, ’s dilseachd a dhearbhadh,—eadhon a bheatha chur ann an neo-shuim. Ach cha’n fhaighear iad, mar a gheibhear iomadh sluagh eile, a’ labhairt air a’ Bhàs ann an cainnt eutroim no shuaraich. Dhoibh-san, os cionn mhorain, bha ’m Bàs ’n a “ni uamhasach,” cia air bith mar thigeadh e. Saoilidh mi gu’n dearbh ar n-Eachdraidh ’s ar litreachas anns gach linn gur rian so airson an robh ar n-Aithrichean comharraichte am measg nam pobull. Feudaidh e bhi gu’m b’e creidimh mearachdach ar sinnsearan roinn de’n aobhar. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil saobh-chreideamh ar latha fein, a lean ruinn o chéin, a’ beathachadh na buaidh so. Aidichear air gach laimh gu bheil gnè na tire cumhachdach gu bhi gintinn spiorad urramach ’us nadar sòluimte anns an t-sluagh. Ach minich e mar thoilicheas tu, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil an t-urram ’s an t-uamhas leis an labhair ar sluagh mu’n Bhàs agus mu na Mairbh cho comharraichte ’s gu bheil e cur dreach air ar litreachas. Thug mi fanear cheana na focail anns an labhair sinn gu cumanta mu na maribh; “Am fear nach maireann,” &c. Ach cha ’n e na focail a mhain, ach an guth ’s an t-suil a tha dearbhadh doimhneachd na faireachduin leis an labhair an Gaidheal mu ’charaid “a dh’ fhalbh.” Gheibhear an rian ceudna ’n ar Sean-fhocail. “Tha e nis air foid na firinn;” “Tha e nis air slighe na firinn.” Theirteadh, “An oidhche roimh ’n bhàs, bu choir do dhuine athais a thilgeadh;” agus cha’n fhuilingear olc a labhairt mu na mairbh. “Moladh mairbh,” “Na abair ach math mu na mairbh;” “Uir, ùir air beul Orain mu’n labhair a tuillidh comhraidh.” Gus an la diugh, cha toirear iomradh air failinn ann an neach nach ’eil a lathair gun a radh, “Cha ’n ann ri chur ’n a dhèigh e.” Ach cha ’n e so a mhain. Saoilidh mi gum feudar a radh le firinn gu bheil inntinn Gaidheil Bhreatuinn thar cheann, a’ gabhail tlachd ann an smuaintean dubhach, cianail. Ma dh’ fhaodte nach dearbh Eachdraidh gur feart so a tha dual do na Gaidheil mar Shluagh; ach tha mi meas gur feart e a tha ro chomharraichte ann an litreachas nan Gaidheal anns na rioghachdan so. O chionn iomadh ceud bliadhna bha iad air an taobh lag, agus feudaidh e bhi gur e so is aobhar do’n chuis. O chionn beagan bhliadhnachan chualas duinne cho geur chuiseach ’s a bha ’n ar measg—Disraeli—ann an seorsa de fheal-a-dhà, a’ toirt seachad mar aobhar airson neo-thoileachas nan Eirionnach, gu bheil an dachaidh a chois a’ Chuain. Cia air bith an t-aobhar, cha ’n ’eil teagamh nach ann air taobh dorcha na sgeithe is miann leis a’ Ghaidheal sealltainn. Tha e neo-thoilichte le cùisean mar tha iad; agus feudaidh sinn a radh, ann an tomhas co-dhiu, gu bheil aobhar aige; co-dhiu dh’ aidicheas sinn no nach aidich gu bheil e ’gnathachadh meadhonan freagarrach ’us dichioll cothromach airson a channchuir a dheanamh na’s fearr. Gheibh sinn ar Baird an comhnuidh a’ caoidh na tìm a dh’ fhalbh; gu minic ag iarraidh o uachdarain ’s o chumhachdan nithean nach toir uachdarain no cumhachdan fo’n ghrein dhoibh ach iad fein. Chomharraich Mathew Arnold am feart so gu soilleir ann am Bardachd Ghaidhealach Bhreatuinn, agus lorgaich e mach a’ bhuaidh a [TD 387] [Vol. 4. No. 49. p. 3] th’aig na Baird Uelseach gu sonruichte thairis air Bardachd Shaauinn anns a’ cheum so. ’N ar litreachas fein, tha bhuaidh ro chomharraichte. Gheibhear ’s na Sean-fhocail am feart so gu cumanta. “Cha’n fhacas riamh muirn mhor nach robh ’n a deigh dubh-bhròn;” “Is beag tha eadar do ghal ’s do ghaire;” “Thig maith á mulad.” Bha tlachd ar Sluaigh ann an comunn a cheile do-innseadh; ach bha gu’m b’ eigin dealachadh an comhnuidh fa chomhair an inntinn: “Is maith ma mhaireas;” “Is iomadh muthadh a thig air an oidhche fhada gheamhraidh;” “Ge cruaidh sgarachdainn, cha aobh dithis gun dealachadh;” “Is deireadh gach comuinn sgaoileadh.” Thugadh seachad uair ’us uair mar dhearbhadh gur e Mac Mhuirich a sgriobh “Oisean” an rann ainmeil— “Caithear oidhche ann am mln dhàn Faighear gairdeachas ’s a bhròn.” Co-dhiu ’s e MacMhuirich no MacFhinn, no cia b’e sgriobh an rann, bu Bhard e bha fior eolach air inntinn a’ Ghaidheil. Tha sgeul a’ bhròin taitneach d’ar cluasan; agus is ann le fior thoilinntinn a dh’ iomras seann daoine an diugh air “Oisean an déigh na Féinne.” ’S ann mar is mo gheibh sinn de’n fheart cheudna ann an searmoin is mo a dhrùigheas i oirnn. ’S e puirt thiamhaidh is taitniche leinn. Tha ’sgal na pioba cianail, ’s i an t-inneal-ciuil is roghnaiche leinn. ’S ann tuirseach, trom, a tha mhor chuid d’ar fuinn. ’S ann muladach a tha, mar is trice, cainnt ar n-orain, co-dhiu ’s “eagal, eudach no gaol” an steigh. Tha mhor chuid de’r Seana Bhardachd, agus gu h-araid a chuid is cumhachdaiche dh’i, a’ caoidh nan tréun a dh’ fhalbh. Ma bheir thu na “Cumhachan” á “Sàr obair nam Bard Gaidhealach,” bheir thu roinn mhor leat; agus is ann a’ caoidh a tha chuid mhor de no dh’ fhagas tu. Agus nach ann a’ “cumhadh” ni-eigin a tha gach Sgonn-bhard a ghleusas a ribheid ’n ar latha fein? Ma their sinn gur e cumha ’us cumhachd an aon fhocal, nach feud sinn a radh gu’n tug ar daoine barrachd geill do chomhairle Sholaimh na thug riamh e fein: “Is fearr dol do thigh a’ bhròin na do thigh na cuirme.” Bhiodh e duilich a chreidsinn, an aghaidh a leithid so de fhianuis, gu’m bu daoine cruaidh-chridheach, fuilteach, no naimhdeil ar n-Aithrichean. ’S e spiorad blàth, caomh, truacanta a nochdas ar litreachas. Ach ma tha bhuaidh calg dhireach an aghaidh dioghaltachd ’us mi-ruin, tha i air an laimh eile ann an dlù dhaimh ris na feartan is airde s is cliuitiche a bhuineas do’n duine. Tha mòrachd dlu-cheangailte ri irisleachd. Their an Sean-fhocal, “’S i ’n dias is àirde is ìsle chromas a ceann;” agus cha ’n ann mu mhuinntir àrd ann an inbhe a mhain a tha ’n Sean-fhocal fior. Co-dhiu lorgaicheas sinn beatha nan daoine a b’airde buaidhean air a’ bheil iomradh againn, na co-dhiu rannsuicheas sinn gu cridhe na cuise fein, gheibh sinn an comhnuidh mòrachd, irisleachd, ’us stòldachd a’ siubhal lamh air laimh. Cia mar bhiodh an t-atharrach fior? Air do chuairteachadh le diomhaireachd air gach taobh;—an talamh fo d’ chasan; na speuran os do chionn; d’inntinn do-rannsuichte fein; do bheatha—a tus ’s a crioch; t-aite anns a’ chruthachadh anns a’ bheil do chrannchur;—is ceistean iad so a dh’ fheoraicheas gach neach air an do bhuilicheadh a bheag de thuigse gu tric dheth fein. Feudaidh e bhi creidsinn gu bheil na ceistean do-fhuasgailte, ach cha chum so e gun an cur. Gheibh e mach gu bheil coslas foilleil; nach ’eil nithean mar a chithear iad; gu bheil fianuis na sùl mealltach; gu’m feumar amharc an cridhe nithean cho maith ri cridhe an duine mu’n ruigear air firinn. Gheibh thu a leithid so de neach a’ feoraich, ann an spiorad tur-dhealaichte o’n spiorad anns an d’fheoraich Pilat o shean, “Ciod e firinn,” no, “A’ bheil e comasach do dhuine ruigheachd air firinn.” Is cnuic iad so a tha gun teagamh fada uainn; ach is cnuic iad a mheall, le’n guirmead, na h-inntinnean a bu mhisneachaile ’s a bu tréine de’n chinne-dhaonna anns gach linn. Tha ’n cunntas a tha againn air fein-fhiosrachadh nan gaisgeach so ro luachmhor dhuinn,—co-dhiu thuit iad anns an direadh, mar thachair do’n mhoran: no co-dhiu rainig iad aon de na mullaichean far am faicear seallaidhean ’s an cluinnear guthan nach tuig an Saoghal, ’s a sheall iad, le suil na h-iolaire, air firinn aghaidh ri aghaidh,—ni a b’e cu bhrionn glòrmhor aon do dhà. Cha ’n ’eil neach a dh’ imich air an t-slighe so, co-dhiu a dh’ fhailnich e air an turus, no rainig e, le mor shaothair, a cheann-uighe, nach robh na b’irisle ’s na bu stòlda, co-dhiu bha no nach robh e na bu ghlice. Ma ruigeas tu inbheachd “Gaisgeach” Dhughaill Buchannain, s’ gu’n seall thu air an t-Saoghal ’s air a luchd-aiteachaidh mar sheall eean, saoilidh mi nach e aighir no sùgradh is trice bhitheas air d’ aire: “Mar tholman ùire faic an Saoghal ’Us daoin’ mar sheangain air mu’n cuairt; “A null ’s a nall guu fhois gun tàmh, A’ cruinneachadh ás gach àit do’n cist’, Gu lionmhor marcachd thae a’ chéil’, ’S a’ trod gu géur mu bhioran brìst.’” Nach ’eil e fior, ann an tomhas mor, mu na daoine a b’airde buaidhean, a b’ fharsuinge eolas, ’s a bu doimhne fiosrachadh, gu’n robh an beatha foluichte o’n t-Saoghal? Chunnacas, ma dh’ fhaodte, uair no dha, ann an Eachdraidh an t-Saoghail, leithid priomh Bhard Shasuinn, aon a dh’ fhaodteadh a ghabhail mar mhac-samhuil air inntinn an duine, anns gach linn, anns gach cearn, ’s anns gach gléus; ach gu bhi gabhail fior righrean a’ chinne-dhaonna thar cheann, ’s ann aonaranach a bha ’m beatha, agus is ann cianail a bha ’n smuain. Gun toibheum nach faodteadh a radh mu’n timchioll ged bha iad anns an t-Saoghal, nach b’airidh an Saoghal orra, agus nach b’ann de’n t-Saoghal iad. Tha ar Bardachd fein ag innseadh dhuinn gu’n do chaith Oscar òg an oidhche mu’n do chuir e ’cheud bhlàr, a reir cleachduin a’ Shluaigh, ann an co-luadar diomhair ri spioraid Aithrichean. A’ charaid, bha creidimh ar Sinn-searan diomhain, meallta; ach, anns a’ cheum so, bha ’n cleachduin ionmholta. Cha robh gairdean Oscair na bu laige an la’r-na-mhaireach; agus bha mhisneach na b’airde ’s inntinn na bu shoileire, na ged chuireadh e seachad an oidhche ann an cuideachd fhaoin no ’n a chodal. Feudaidh thu bhi cinnteach, air meud do neirt no air airde do bhuaidhean, nach dean thusa gniomh a choisneas urram dhuit rè do bheatha no cliu bhuan an deigh do bhàis, gun iomadh oidhche ’chur seachad ann an co-luadar diomhair ri d’ Spiorad fein. (Ri leantuinn.) A’ cur glais air an stàbull an déis na h-eich a ghoìd. A’ cur suas inisg, agus a bun aig a’ bhaile. [TD 388] [Vol. 4. No. 49. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 13, 1896. Tha àireamh mhor de luchd-gabhail a’ phaipeir nach do phàigh fhathast airson na bliadhna ’tha nise beul ri bhi mach, agus bu mhath leinn iad a chur an airgeid air adhart ugainn gun an còrr dàil a dheanamh. Tha sinn feumach air airgead, agus cha n urrainn dhuinn an gnothuch a dheanamh as aonais. Tha còrr us muillein gu leth punnd Sasunnach de dh’ airgead-urrais air beatha Humbert, righ na h-Eadailte, barrachd ’sa th’air beatha duine sam bith eile air an t-saoghal. Bha muillein punnd Sasunnach air beatha Alasdair III., Sàr Ruisia, agus tha sia cend gu leth mile punnd air beatha Prionnsa Wales, Bha Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba, agus Ard-sheanadh na h-Eaglais Shaoir, le chéile air am fosgladh ann an Dun-eideann air an aonamh latha fichead dhe’n Mhàigh. Cha robh ni ùr no neo-àbhaisteach mu fhosgladh aon seach aon dhiubh, ach gun do dh’ aobharaicheadh beagan ùprait timchioll a charbaid anns an robh Morair Tweeddale, fear-ionaid na ban-righ, a gabhail a thuruis gu seanadh na h-Eaglais Stéidhichte, le fear de na h-eich a bh’ anns a charbad a thuiteam marbh. Bha ’n t-Urr. Dr. Scott air a thaghadh gu bhi na cheann-suidhe air seanadh na h-Eaglais Stéidhichte, agus an t-Urr. Dr. Miller gu bhi ’na cheann-suidhe air seanadh na h-Eaglais Shaoir. Chaidh boirionnach do ’m b’ ainm Mrs. Dyer a chrochadh ann an Lunnainn Di-ciaduinn s’a chaidh. Fhuaireadh ciontach i de mhort phàisdean a bha i ’gabhail a stigh air son an àrach. Thatar a deanamh a mach gu’n do chuir i as do na ficheadan dhiubh, ach chaidh a dhearbhadh gu soilleir gu’n do mhort i moran. An deigh a diteadh thug i ionnsuidh uair us uair air crioch a chur oirre fhéin, ach fhuaireadh a cumail uaithe, agus lean an lagh a chùrsa Tha na fiosan mu dheireadh thainig a St. Louis ag innse gu robh còrr us tri mile tigh air a chur as a chéile no air a mhilleadh leis an stoirm a bh’ ann air an t-seachdamh latha fichead dhe’n Mhàigh. Tha ’n call air a mheas aig da mhuillein air fhichead dolair. Ach bu shuarach sin mur robh na h-uiread air am marbhadh. Tha sinn fada ’n comain nan cairdean a tha o àm gu àm a’ cur phaipearan-naigheachd ugainn, ’nuair shaoileas iad a bhios naigheachdan annta bu mhath leinn fhaotainn. Cha leig sinn a leas duine ainmeachadh, ach tha sinn a toirt taing dhaibh uile, s an dòchas nach sguir iad ’gan cur g’ ar n-ionnsuidh. Dh’ fheòraich duine aig nach robh moran modha ri sheachnadh, uair de bhoirionnach aosda, c’ar son nach do phòs i. Fhreagair ise, “Se bu choireach nach do phòs mise nach robh mi cho soirbh mo thoileachadh ’sa bha do bhean-sa.” Litir. A MHIC-TALLA NAN CREAG:—A charaid ghasda, Gheibh thu an so deich tasdain a chum ’s gum bi do thaghal gach seachdain ’ga chumail suas, g’ am ionnsuidh féin agus gu mo charaid, a reir an sgriobhadh-seòlaidh a tha leis a so. “Bliadhna eile fhathast.” Is mi do charaid, A. B. Port Hawkesbury, Maigh 30, ’96. Ailleagan na luathadh, luathragan a’ chlachain. Ainmeachas bà air buachaill, agus ’ga toirt uaithe feasgar. Air a mhàgan roimh na casan. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith orr taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. STOR UR TAILLEARACHD. ri bhi air a fosgladh air an 10 la, ann an STOR W. E. PETERS. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MAC COINNICH & CO. Sidni, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE [TD 389] [Vol. 4. No. 49. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha a h-uile duine chi sinn a’ gearain air cho fuar ’sa tha ’n t-side fuireach, ach cha’n eil againn ach cur suas leatha mar is fhearr is urrainn duinn. Chaidh paidhir de dhaimh bhiadhte a thoirt gu Sidni Tuath a Margaree air an t-seachdain so, agus thomhais iad ochd ceud deug air fhichead. Bha ’n sgadan cho pailt mu chladach Shediac, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh ’s gu robh na tuathanaich ’ga tharruinn air falbh air son leasachadh a dheanamh dheth. Chaidh coignear bhoirionnach, ban-tiallearan, ghlacadh an Ottawa airson bhi ’goid bathair a bùithean ’sa bhaile. Fhuaireadh mu fhiach seachd ceud dolair de bhathar anns na taighean aca. Tha Ard-sheanadh Eaglais Chéireach Chanada an dràsda cruinn ann an Lunnainn, Ont. Bha a’ cheud choinneamh aca Di-ciaduin. Bha an t-Urr. Dr. Gordon, á Halifax, air a thaghadh gu bhi ’na cheann-suidhe. Tha circus ri bhi ann an Sidni air an 22 latha dhe’n mhios so. Cha mhor nach eil am baile air a chòmhdach le paipearan ag innse mu dheibhinn. Ma tha na tha na paipearan so ag radh fior ’se circus da-rireadh a bhios ann. Chaidh fear Robert Burns a mharbhadh ann am muillean-sabhaidh am Bridgewater, N. S., Di-luain s’a chaidh, le te dhe na h-innealan leis an robh e ’g obair a bhristeadh agus mirean dhi a bhualadh air mu choinneamh a chridhe. Dh’ fhag e bean us triùir chloinne. Tha Meinn Victoria ’na tàmh o’n thainig an samhradh, leis an uisge bhi bristeadh a stigh innte. Tha iad ag radh gu bheil i gu bhi air a h-oibreachadh gu math an deigh so. Thatar a faighinn phioban-taomaidh air a son a chumas an t-uisge mach. Tha sinn an dòchas gu bheil so fior. Thainig bàs cianail air nighin òg air an t-seachdain s’a chaidh ann an Torbay, Newfoundland. Bha i a’ cruinneachadh dhitheanan ris a’ chladach far an robh e àirde mhòr os ceann an uisge. Air dhi a dhol tuilleadh us faisg air bile nan creagan a ruigheachd air na ditheanan, chaill i a greim agus thuit i leis a cheig. Chaidh a marbhadh air ball. ’S e Di-màirt s’a tighinn latha ’n Ainmeachaidh, agus cha’n eil teagamh nach bi e gu math stoirmeil ann an iomadh àite, ach tha sinn an dòchas nach bi e mar sin an taobh so. Faodar a radh gur e ’n ruma ’s an t-uisge-beatha ’s coireach ri moran dhe’n troimhe-chéile bhios aig coinneamhan mora dhe’n t-seòrsa, agus bu chòir do gach pairtidh feuchainn ri chumail fo ghlais. Mar a thuirt duine ruinn an la roimhe, “tha politics dona gu leòr, ach tha ’n dunaich orra ’nuair a bhios an t-ol na ’m measg.” Chaochail ban Innseanach, bantrach Phadruig Sayeres, ann an Caughnawaga, an Ontario, air a cheud latha dhe’n mhios so. Tha ’n treubh d’ am buineadh ag radh gu robh i ceud us schd bliadhn’ deug a dh’ aois. Bhr meas mor oirre anns an treubh. Dh’ fhag i moran de dh’ oghaighean ’s de dh’ iar-oghaichean, ach cha’n eil beo de cloinn ach aon nighean. Chaochail a fear o chionn ochd miosan deuga aig aois ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug. Bha a falt cho dubh, a fiaclan cho slàn, ’s a tùr ’sa h-aithne aice latha ’bàis cho math ’sa bha iad latha riamh. ’S iad na naigheachdan a’s pailte aig an àm so politics, agus o nach eil MAC-TALLA air taobh seach taobh, cha bhi e ’gabhail moran gnothuich riutha. Cha’n eil e sàbhailte dha bhi ’g radh moran, neo bidh cuideigin ag radh gu bheil aomadh aige ris an darra taobh no ris an taobh eile. Tha Tupper aig an àm so ann an Ontario, a’ cur an ceill a bheachdan mu ciod bu chòir do’n t-sluagh a dheanamh a thaobh riaghladh na dùthcha: tha Laurier ’sa mhor-roinn sin cuideachd a’ cur a bheachdan fhéin an céill. Tha ’n cath mar sin a’ dol air adhart anns gach cearna de’n dùthaich. Cha’n eil a nise ach mu dheich latha gus am bi cùisean air an cur an darra taobh, agus feumaidh iad oibreachadh gu cruaidh. BAIS. Air cùl Amhuinn Hume, an siorrachd Victoria, air an 2rra latha dhe’n mhios so, Coinneach Mac Asguill, mac do Mhurchadh Mac Asguill, deich bliadhna fichead a dh’ aois. Bha e na dhuine air an robh deagh chliù, agus gle mheasail aig na h-eòlaich uile. Cha robh e pòsda ach mu dha bhliadhna, agus tha co-fhaireachdainn aig na coimhearsnaich uile ri bhantraich, agus ri ’athair a bha fuireach còmhla ris. Iadsan a Phaigh. Tearlach R. MacLeoid, Glace Bay Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills. Aonghas MacAmhlaidh, Gut-a-Tuath, $3.00 A. Bain, Port Hawkesbury. Domhnull Caimbeul (eilder) Baddeck Mhor. Aonghas Smith, Tarbert, $3.00 Ruairi Mac Neill, Glace Bay. 2.00 Iain Mac-a-Phi, Seana Bhridgeport. Iaìn I. Mac Neill, Reserve Mines. Iain Moireastan, Gut-a-Deas. An t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, Narrows Bheaga. Calum I. MacLeoid, Beinn Chain, 50c D. M. Caimbeul, Dunbheagain, Ont. Dr. Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Eoghan Mac Eoghain, Maxville, Ont. N. A. Donhnullach, Bute, Mont. An t-Oilear J. D Prince, New York. Bean Dhomhnuill ’Ic Fhionghain, Mooreton, N. D. Seònaid Chaimbeul, Vancouver, B. C. A. R. Mac Leoid, Stirling, Alba. Alasdair Sutharlan, Garadh Edein, N. S. Alasdair Camaran, Lochabar, N. S. Iain Mac Fhionghain, Murray Har So., P. E. I A. D. Mac Leoid, Charlottetown, P. E. I. Air deireadh a rug i an t-oighre. IUN, 1896. 1 Di-luain. Blar Dhrum colg 1679. 2 Di-màirt. (3) Breith T. àig ’Ic Leòid,’12 3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768 4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad. 5 Di-haoine 6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329. 7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid. 8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696 9 Di-màirt. An Fheill Chaluim. 10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile. 11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29.mad. 12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488. 13 Di-sathairne 14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid. 15 Di-luain. Breith Dhomhnuill ’IcCoinich 1783. 16 Di-màirt 17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689. 18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815. 19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad. 20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain. 21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid. 22 Di-luain. (21) La a’s fhaide ’sa bhliadhna 23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861. 24 Di-ciaduin. An fheill Eathain. 25 Dior-daoin. Blar Allt a’-Bhonnaich, 1314. 26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad. 27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857. 28 DI-DONAICH. IV Donaich na Trianaid. 29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil. 30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1685 Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25 Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. MacCOINNICH & CO. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC: An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 [TD 390] [Vol. 4. No. 49. p. 6] Na Seann Ghaidheil, Sgriobh Seorus Buchanan Eachdraidh na h-Alba ann an Laidinn agus tha e labhairt innte mu thimchioll a’ cheud luchd-aitich a ghabh comhnuidh annam Breatunn. B’i a bharail san gum b’e an t-aon sluagh a bha chomhnuidh anns na tiribh ris an abrar a nis an Fhraing, an Spainn agus a’ Ghearmailt no an Ollaind, gun do labhair iad an aon chànain, agus gum b’e an t-ainm leis an robh iad aithnichte do na Romanaich Galli no Celtae. Bha iad roinnte ’nam fineachan no ’nan treubhan eadar-dhealaichte o cheile anns an doigh labhairt, ged a bha an aon chanain aca thaobh duchais. A reir beachd Sheoruis Bhuchanain is ann o oirthir thuath na Frainge ris an abairteadh Armorica a thainig a cheud luchdaitich do cheann deas Bhreatuinn; thainig na ceud dhaoine as an Spainn do Eirinn; agus thainig a cheud sluagh do cheann tuath Bhreatuinn as a’ Ghearmailt no Lochluinn. Ach ged a thainig iad a nall as na tiribh so fa leth gidheadh labhair iad an aon chanain Ghaidhealach le beagan dealachaidh a thaobh gum b’e an aon sluagh a bha a chomhnuidh air tir-mor na Roinn-Eorpa aig an am so. Thachair na nithean so a reir coslais fada mun do thog an sluagh sin an ceann o’n d’ thainig na Sasonnaich, na Lochlunnaich agus Gearmailtich an la an diugh. Theirteadh na seann Bhreatunnaich ris an t-sluagh a thainig a nall o Armorica as an Fhraing; b’iad so sinnsearan nam fineachan a tha chomhnuidh ann an Duthaich Wales, agus labhair iad cainnt a labhrar anns an tir sin air an la an diugh. Theirteadh na Caledonich no na Pictich mar ainm ris an fheadhainn a thainig gu ceann tuath Bhreatuinn agus labhair iad Gailig cosmhuil ris a’ Ghailig a labhrar an diugh ann an Albainn. Agus theirteadh Scoti mar ainm ris an t-sluagh a thainig as an Spainn do Eirinn agus labhair iad Gailig cosmhuil ris a’ Ghailig Eirionnaich. Chaidh dream araidh dhiubh so a nunn a Eirinn do Earraghael agus ghabh iad comhnuidh am measg an luchd-aitich a bha an sin o chian. B’ ann diu so a bha an teaghlach rioghail a thainig gu bhi rìoghachadh os ceann Albainn gu leir ’nuair a chuireadh an rioghachd fo aon riaghladh. Tha Buchanan mar an ceudna ag radh gun d’ thugadh Caledonaich mar ainm air an t-sluagh a bha ann a Albainn a chionn gun robh iad a chomhnuidh ann an tir a bha lan de choille challdainn; gum b’e Dun-challdainn no Dun chailleann ceann-bhaile na rioghachd aca agus gun d’fhuair e an t-ainm so o’n aobhar cheudna. A reir sin tha an t-ainm Caledonaich a’ cialluchadh Calldainnich. Mar so chi sin gun robh Seorus Buchanan a’ creidsinn gum bu Ghaidhil na Picti, agus gun robh iad fein agus na Scoti cairdeach d’a cheile. Tha e a’ nochdadh gun robh Bede dhe ’n bheachd cheudna ’nuair a tha e ag radh gun d’thug na Picti do na Scoti pairt de ’n tir aca fein anns an earrainn sin a bha air bheag sluaigh no falamh. Tha e ag radh mar an ceudna roimh theachd nan Sasonnach gun robh ach beag an aon chanain air a labhairt le uile luchd-aitich an eilein Bhreatunnaich. D. B. B. ELIAH. (Air a leantuinn.) Cosmhuil ri Samuel a chaidh roimhe tha ath-leasachadh mor aige ri dheanamh. Tha cath cruaidh, deuchainneach aige r’a chur: tha stri ’s spairn nach faoin a’ feitheamh air. Tha feum aig ’anam air neart ’us treubhantas ’us mor-ghaisge. ’Na aonar gun chuideachd laidir no mheamnach, no aghartach air a chùl, tha aige ri seasamh suas as leth urraim an àrd-righ a tha nis air a dhi-chuimhneachadh gu mor le luchd-tuinidh na tire. Ceart mar nach do dhiobair Dia mhuinntir féin aig àm air bith, ceart mar shin e ’ghairdean cumhachdach a mach as leth ainm ’us aoraidh fein aig iomadh am an uair a bha beachdan mearachdach a’ gabhail freumh ’s a’ fàs làidir suas, ’s a bha fior-àilleachd us iomlanachd a mhorachd us ionracais féin ach beag air an dubhadh as ann an duibhre dhùldaidh thiugh an aineolaìs agus an iodhal aoraidh, tha e ’dol a dh-oibreicheadh a mach aig an àm so atharrachadh mor am measg nan Eabhruidheach agus air sgath nan daoine direach a tha air am fògradh bho ’n dachaidhean. Tha ’m fàidh Eliah sgiobalta, mileanta, ’s easguidh a’ dol an coinneamh Ahaib. Mun tig an latha mor air Sliabh Chairmeil anns an téid faoineis ’us amaideachd nan daoine tha sleuchdadh do Bhaal a dhearbhadh gu soilleir ann an lathair an t-sluaigh, tha ’n Tighearna ’cur teachdaireachd a dh-ionnsuidh an righ amaideach agus ag innseadh dha nach sil dealt air talamh agus nach tuit uisge air na h-achaidhean re bliadhna no dha. Crionaidh mar so gach lus ’us preas ’us cinneas as eugmhais taiseachaidh us ùrachaidh an uisge; tiormaichear suas na sruthan tormanach, fuaimneach, agus bithidh goinne lòin us uisge ’s an tir. Mar thachras gu minic ann an dòighean cumanta ’n t-saoghail, coisnidh droch-dheanadas ’us mibheus aon neach mor thriobhaid ’us amhluadh ’us àmhghar dhaibhsan a tha ann an dlùth-dhàimh ris, ged dh-fhaodas iad féin a bhi gu tur neo-lochdach, neo-chronail, agus neo-choireach; mar dh-fhàgas gu minic comhluadar aimhreiteach us mi-stuama neach imcheist ’us masladh ’us tuireadh ann an cridheachan a chàirdean, is ann air a mhodh cheudna ’chuir gràdh Ahaib do iodhalan balbha nan Sidonach, do Bhaal ’us do Astaroth bruaillean us buaireas air an t-sluagh gu h-iomlan. An deigh do Ahab agus d’ a dhaoine bhi gu trom air an smachdachadh air sgàth an easurraim agus an tàmailt a chàruich iad air ainm ’us feartan Iehobhah, bha Eliah aig iarrtus an Ti ghlòirmhoir d’ an robh e ’deanamh seirbhis, a’ tréigsinn an ionaid iomallaich uaignich anns an d’ fholuich e e féin bho ghnùis ’s bho chorruich an righ bhuirb, aineasaich. Tha Eliah ’g a nochdadh féin a rithist le cridhe gaisgeil, calma, do’n righ. Tha ’n rùn a bha aig Dia ann an aogas na talmhainn a dheanamh tartmhor agus tioram, criochnaichte ’s riaraichte. Le mor chaoimhneas ’us tairiseachd tha e ’dol a thogail a làimhe de’n chinneach bhochd so, ’s a’ dol a chur pailteis a rithist anns na sruthan agus anns na h-achaidhean. Tha Eliah a’ faotuinn an òrduigh so,—Falbh, nochd thu féin do Ahab, agus bheir mise uisge air aghaidh na talmhainn. Ach mun téid an rùn so choilionadh, tha gniomh treubhach mor—tha euchd cunnartach aig Eliah an Iisbhitheach r’a dheanamh. Tha geillt us uamhas ann an cridhe Ahaib, ged a tha e ’g oidheirpeachadh air sgàile tharruing air, agus tha e ealamh gu stiùradh an fhàidh, an duine molach, aigeannach, a leantuinn. Is ann air Slìabh Charmeil a tha fàidhean Bhaail agus fàidhean nan doire ’us fàidh aonaranach àrd-chridheach an Dia mhòir ri ’chéile ’chòmhlachadh. Ged nach ’eil caraid cumhachdachd maille ris; ged dh-fheumas e cogadh a dheanamh an aghaidh feachd an nàmhaid a tha [TD 391] [Vol. 4. No. 49. p. 7] araon mor ann an àireamh agus fuileachdach; gidheadh cha’n ’eil a threòir ’ga thréigsinn, cha-n ’eil a chridhe ’fannachadh no a’ meatachadh. Tha onair Iehobhah ann an earbsa ris, agus carson a bhitheadh eagal air? An trath tha teanntachd chruaidh ag éiridh, agus tha amannan dorcha duaichni ann, tha Dia daonnan a’ deasachadh nach airson a chùis féin a dhion, agus a’ buileachadh comais ’us cumhachd ’us treòir anabarrach air. CONA. OIDHCHE FHLIUCH.—Bha duin-uasal o chionn ghoirid a’ gabhail a dhinneir ann an tigh caraid, agus am feadh ’sa bha iad aice thòisich stoirm mhor uisge. Dh’ fhuirich an t-aoidh cho fad ’sa b’ urrainn da feuch an tigeadh turadh, ach ’s ann a bha ’n t-uisge sior dhol na bu mhiosa. Chuir fear an taighe impidh air fuireach gu maduinn, agus o nach robh choltas air gu’n rachadh an t-side na b’ fhearr dh’ aontaich e sin a dheanamh. Ach an ceann beagan mhionaideam dh’ ionndrain iad e, ’s cha robh fhios càit an d’ thug e air. Cha robh sgeul shios no shuas air. An ceann leth-uair a thim, thainig e stigh ’s e bog fliuch. “An ainm an àidh,” arsa fear an taighe, “càit an robh thu?” “Bha mi,” ars esan ’s e ’ga chrathadh fhéin, “aig an tigh; chaidh mi a dh’ innse do m’ mhnaoi nach b’ urrainn domh dhol dhachaidh gu maduinn leis cho fliuch ’s a bha i.” A’ dol an sinead ’s am miosad. A’ dol eadar thu ’s do chadal. Ag itheadh na cruaiche fo ’n t-sioman. A’ deanamh teadhair de ròineig. A’ deanamh balg ri gréin. A’ taomadh na mara le cliabh. A’ deanamh math an aghaidh an uile. A’ ghnè a bhios ’s a’ mhàthair, is gnàth leis a bhith ’s an nighinn. A’ h-uile rud ach an rud ’bu chòir. Aidhear fidhleir dhuibh an Taoibh-tuath. A nàdur fhein a’ tighinn ’s a’ choileach. A’ phoit a’ tilgeadh air a’ choire gu bheil a mhàs dubh. A’ tilgeadh sin uat mar gu’n tilgeadh bò buachar. Adhaircean fada air a’ chrodh a bhios anns a’ cheò. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 392] [Vol. 4. No. 49. p. 8] An t-Ailleagan. O soiridh slàn do ’n Ailleagan ’Bha ’n so mn ’n tràth so ’n dé; Gu ’n d’ lot thu dh’ ionnsuidh m’ àirnean mi, ’S mi cràiteàch as do dheigh: Ma ’s teachdair ’tha bho ’n bhàs thu, ’S nach slànaich mi gun léigh, Gu ’n tug mi gaol bho m’ chridhe do Dh’ òg-nighinn nan rosg réidh. Bho dh’ fhalbh thu ’n dé mu ’n tràth so uainn Tha mi fodh chràdh ’s fodh leòn; ’S e ’n gaol a thug mi ’n céud là dhut A dhrùidh air m’ fhuil ’s air m’ fheòil; Ach chì mi ’n diugh nach d’ thàinig thu, ’S air nàile cha b’ i ’chòir, Tha m’ osna tròm an uaignidheas A’ smuain air bean do neòil. Och! tha mo smuaintean cairiseach Bho dhealaich sinn Di-luain, ’Gheug ùr nan glaca mìn-bhasach, A leannain chaoimh gun ghruaim; Ma tha buaidh mu ’n t-sùgradh ort, ’S nach lùb thu le meud stuaim, ’S e d’ ghaol a leasaich m’ iomguin dhomh, ’S a chuir an giorrad m’ uair. ’S e ’chuir, an uair, an taice rium Gu ’n d’ ghlac thu cleachdadh ùr; Gu ’n d’ rinn thu gniomh nach b’ àbhaist dhùt, Mo ghràdh-sa ’chur air chùl. Cha d’ aithnich mi riamh fàiling ort, Bho chàirich mi ort m’ iùl,— Gu h-uasal, banail, bàiraigeach, Gu tairis, càirdeil, ciùin. ’S mìn, tairis, ciùin a labhradh tu, ’Gheug ùr nach maìl ’n a d’ chéill, Air Machthir no air Gáidhealtachd ’S tearc samhail bean do bheus, Cha ’n ionghnadh cliù ’bhi fuaighte riut, ’S gu ’n d’ fhuaradh thu gun bheud, ’S tu ’shiol na fala connspuillich Le suaineas ceann an fhéidh. ’S mìn, soitheamh, sèimhidh, suaimhneasach An rìbhinn uasal òg, Gur lionmhor cìs a bhuannaich thu Nach d’ fhuaradh riamh cho mòr. Do dhà ghruaidh dhearg cho taitneach Do shlios mar shneachd’ an lòin, Do shùilean mealla, mìogach, Mar ghrian air tionntadh neòìl. Muile nam Mor-Bheann. Am Muile nan craobh tha ’mhaighdean bhanail, D’ an d’thug mi mo ghaol ’s mi faoin a’ m’ bharail, ’S ma chaidh e fo sgaoil ’s nach faod mi’ faighinn Gu’n taobh mi caileagan Chòmhaill. SEISD.— O’n tha mi gun sunnd; ’s is dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shuil ri sugradh tuile: Cha teid mi le muirn gu cuirt nan cruinneag ’S mo run am Muile nam mor-bheann, Tha maise a’s uaisle, suairceas a’s ceanal, A’ direadh a suas an gruaidh mo leannain; Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh Ni uaigh a’s anart mo chomhdach. Tha maise no dha ri ’aireamh fhathast Air bean a’ chuil bhain, nam blath-shul Meallach; Ma bheir thu do lamh, gu’m fas mi fallain, ’S bu shlainte mhaireann do phog dhomh. Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara, Do ghruaidh mar an caorann, sgoilt’ air mheangan; Suil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana: ’S tu ’n oigh a mhealladh gach oigear. Tha smuaine no dha an tràth-s’ air m’ aire; Cha ’n innis mi ’chach ceann-fath mo ghalair; Ged laidheas mi trath, cha tamh dhomh cadal, ’S do gradh ga m’ sgaradh an comhnuidh. Gur math’ thig an gùn o’n bhùth do’n ainnir, ’S an fhasan is uire ’n cuirt nan Gallaibh; Troidh ghloin am broig ùir—’s i duint’ le barr-iall— Nach lub air faiche am feoirnein. Do chul mar an lion ’n a mhile camag, Nach greannach fo chir, a’s siod’ ’g a cheangal: Do dheud mar na disnean, dionach, daingean: Beul binn, a ghabhail nan oran. ’S e ’sgar mi o m’ chiall ro mhiad do cheanail, ’S o’n chaidh thu do ’n t-sliabh, nach b’ fhiach leat m’ fharaid: ’S e t’ aogas a’s t-fhiamh ’chuir pian a’ m’ charamh, ’S cha mhiann a bh’ agam air storas. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 393] [Vol. 4. No. 50. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 20, 1896. No. 50. A Eilean a’ Phrionnsa. Failte ’s furan air MAC-TALLA agus air fior chairid na Gàidhlig a tha ’ga chur thugainn. Is fada bho nach do sgriobh mi gar n-ionnsaidh, agus feudaidh e bhi nach e cion naigheachd no dith cothrom a bha tighinn rium, ach feudidh car ’sa chrannchur an inntinn a chur ann an caochladh suidheachidh; ach bho na chunnic mi ann sa MHAC-TALLA gun robh sùil agaibh ri mheudachadh an ùine ghoirid, bu mhaith leam a bhi taisbeanadh mo thaingealachd leis na beagan fhacal so a sgriobhadh a leigeadh fios dhuibh gu’m bheil mi beò fhathast, agus gu’m bheil MAC-TALLA agam cho ùiseil ’sa bha e riabh. Ach tha dòigh eile air taingealachd a nochdadh a bhiodh ni bu bhunnachdaile, agus ’se sin an dolar a chumail air ghluasad agus an dràst sa rithist ùpag a thoirt dha rathad MHIC-TALLA. Agus b’ fhearr leam gun cluinninn tuilleadh dheth ar deagh chairdean a tha ’ga ghabhail a cumail sin air chuimhne ach gu sònraichte iadsan nach eil ’ga ghabhail ach ’gam bu chòir a bhi ga ghabhail—agus ’s athne dhuinn gu leòr dhiu, a thig ’ga éisdeachd air a leubhadh sa mholas gu maith e, ach an uair a their sibh riutha gu’n bu chòir dhoibh an ainmian a chur gus a ghabhail, O! cha ’n urrainn dhoibh a leughadh, mas fior iad féin; ach cha’n eil an sin ach leisgeul gle leibideach do Ghàidheal aig am bheil tùr sam bith. Tha mi ’g ionndrain nach eil gin dheth ar càirdean anns an eilean so a sgriobhadh guth idir thugaibh, oir bu mhaith a bhith cluinntin am bheil iad beò. ’S fada bho nach cualas guth bho’n Urramach “C. C.,” á Strath Alba, ged is gle thuigseach, pongail a sgriobhas e Ghailig. Agus mar an ceudna Murachadh Mac Laomuinn, ach cha dean math a bhi gearan air ar co-sgriobhairan as an Eilean air fad. Tha ’n t-Urramach agus am fior Ghàidheal, A. McL Sinclair—an drasta ’sa rithist a toirt dhuinn sloinnteirachd nam Fineachan Gàidhealach, agus ’sann aige fhein a tha ’n gnothach gu sin a dheanamh. Ach an do dh’ fhairich sibh gu de thainig air “Bodachan a gharaidh;” thug a chuid litrichean togail mhor do m’ inntinn, an uair a chluinninn e bhi cho frogadach ’sa bha riamh. Ged a tha mi a faireachduin rud-eigin dhe na bhodachan a’ tinn orm féin, agus tha mi ’creidsinn gur a mi a’s sinne nam bodacdan còir, nan tachradh e rium ann an àite nach abaìr mi, tha mi creidsinn gu’m biodh crathadh làmh is cridhealas gu leòr againn. Agus a nis bidh mi a gabhail slàn leis agus a guidhe gu’m a fada bhios e comasach air sgriobhadh cho maith agus air ruamhar anns a’ ghàradh. Cha ruig mi leas a bhi ag innseadh ma’n t-side a tha againn air an Eilean so, oir tha mi cinniteach gu’m bheil i coltach ris mar a tha i agaibh féin. Ach co dhiu faodaidh mi a ràdh nach robh side cho tioram riamh an so air chuimhne agus a bha againn fad na curachd, gus o chinn o beagan làitheam, fhuair sinn uisgeachan briagha, agus chuir e choltas fèin air feur us fochann. Tha mi a’ creidsinn gur coir dhomh a bhi co-dhunadh anis, bho nach eil dad de dh’ùrachadh naigheachd agam. ’Se ’s dòcha mas bhios mi air mo chaomhnadh, agus ’nuair a dh’fhasas MAC TALLA nis motha gu’m bi mi a cur fios air choir-eigin do’r n-ionnsaidh. Aig an àm gheibh sibh dolar am broinn na litreach so còmhla ri ’m bheannachd. Is mi mar bu nòs, ur cairid diieas SEUMAS A. MACILLIMHAOIL. Na h-Eileanan Coille, E. P. I., 12 Maigh, 1896. Aithnichear craobh ni’s fhearr air a toradh na air a duilleach. Am bodach a bha’n Lathuirne, an uair nach b’aithne dha bruidhinn dh’fhanadh e sàmhach. Litir a Lunnain. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha drip a gheamhraidh nise seachad an so; tha na comunnan Gaidhealach do’n àbhuist a bhi ’cumail choinneamhan re a gheamhraidh a leigeil an anail. Bha an class Gàidhlig an oil-thigh an Righ gle shoirbheachail am bliadhna agus tha iadsan a tha air a cheann gle thoilichte leis an obair a rinneadh. Mar is athuist dhaibh chriochnaich iad obair na bliadhna le comh-sheirm Gaidhlig air an t-seachdain a chaidh seachad. Bha an talla làn sluaigh agus bha an cruinneachadh air na h-uile dòigh cho tlachdmhor agus cho gasda ’s a dh’iarradh neach fhaicinn. So agaibh. ORDUGH NA COINNEAMH. Piobaireachd Na Piobairean. “Ged tha mi gun chrodh gun aighean” Giorsal Nic Aoidh “Bruthaichean Ghlinn Braoin” A’ Choisir “Agus Ho Mhòrag” H. W. Rodda “Cumha na h-Oighe” F. Mac’illebhuidhe “C’ait an caidil a ribhinn!” Alastair Hepburn “Fear a’ bhàta” Bmhr Nicantsaoir Bheir an Ceann-suidhe Uasal, a nis, seachad na duaisean a bhuanaich an Oigridh le an dichioll agus an gniomh. “Boch Horinn O” A’ Chuidheahd TARRUING-ANALACH. Port air a’ Phiob Domhnull MacAoidh “An cluinn thu, leannain?” MacIllebhuìdhe “Mac og an Iarla Ruaidh” Giorsal Nic Aoidh “Faill-ill-o” Alastair Hepburn Fidhleireachd Ian Macaphearsoin “Maili Bheag Og” Giorsal Nic Aoidh, Bmhr Nic’illiosa, H. W. Rodda “Tha tighinn fodham eiridh” A’ Chuideachd Tha na h-uile coltas gu’m beil cainnt ar gaoil da rireadh a’ togail a ceann, agus gu’n toir i fhathast buaidh air gach nàmhaid, guineach ’s mar tha iad. Chuir Mr. MacBheathain, an Inbhirnis, Briathradair Gaidhlig a mach o chionn ghoirid, agus a nis tha grammar ùr againn air a sgriobhadh leis an Lighich Mac’Illiosa. Tha an da leabhar so fada air thioseach ann am foghlum air ni sam bith de’n seòrsa a bha againn roimhe, agus bithidh iad gle fheumail do mhaighistearan-sgoile agus do neach sam bith a bhitheas ri teagasg na cainnt. CABAR FEIDH 23, 5, ’96. [TD 394] [Vol. 4. No. 50. p. 2] SEAN-FHOCAIL. BITHIDH DUIL RI FEAR FEACHD, ACH CHA BHl DUIL RI FEAR LIC. (Air a leantuinn.) O chionn beagan bhliadhnachan thug Iompaire na Frainge leis aon mhac—balachan òg, maoth—air ceann an airm, dh’ fheuch an cuidicheadh e spiorad gaisgeil a chuid shaighdearan a neartachadh, ’s an tuil mhillteach bha bagradh an duthaich a sgrios a thionndadh a thaobh; agus, air an fhaiche, an deigh a’ bhlàir, sgriobh e g’a mhnaoi, anns a chainnt spagluinnich a tha ’n Sluagh sin ro thric a’ cleachdadh, gu’n d’fhuair a mac a nis “a bhaisteadh le teine.” Bheir an sgeul bheag a’d chuimhne Oisean ’s’a mhac òg Oscar a’ dol a sheasamh còir Chathlin Chluaidh; agus saoilidh mi gu’n aidichear, ann an cuid de nithean, nach ann na’s fearr a tha ’n Saoghal a’ dol mar tha na linntean a’ ruith. Tha e fior, ma ta, gu bheil na inntinnean is airde buailteach do bhi rannsachadh nan ceistean cudthromach, dorcha a tha cuairteachadh beatha an duine; agus tha e cho fior gu’n toir an t-saothair car dubhach, smalanach do’n inntinn. Ach ged gheibhear an spiorad dubhach so gu cumanta ’n ar measg-ne; agus ged tha e, air aon taobh co-dhiu, ann an dlù dhaimh ri buaidhean àrd ’s ri inntinn fharsuing, cha’n ’eil mi cho earbsach gu’m feum e bhi ’n comhnuidh fior, far am faighear an dara aon gu’m faighear an t-aon eile. Buinidh smalan, dubhachas, ’s bròn do’n fhaireachduin, na’s mo na do’n tuigse; agus is ann do bhrigh so a tha a gu’m faighear gu tric an aon sluagh comharraichte airson a bhi nochdadh faireachduinean calg-dhireach an aghaidh a’ cheile. Am fear is goirte ghuileas an diugh, is dòcha gur e ’s airde ghàireas am maireach. Tha sunnd ’us mulad, aighear ’us bròn dealaichte gun teagamh; ach is faireachduinean iad uile, agus tha ’n àite fein aca ann an nàdur ioma-chruthach an duine. Tha litreachas ar Sluaigh na’s baigheile ri caoidh na tha i ri gàire, ach dearbhaidh ar caithe-beatha gu bheil an dà chèird air ar laimh gu h-ealanta; agus dearbhaidh ar caithe-beatha ’s ar litreachas gu bheil sinn ’n ar n-iochdarain thoileach do riaghladh na faireachduin. An uair a gheibh thu faireachduin gheur co-cheangailte ri buaidhean inntinn àrd, tha agad an eisempleir is urramaiche air nadur an duine; agus, mar thuirt mi cheana tha smuaintean a leithid so de neach an uair is airde iad, dubhach, trom. Ach tha faireachduin sgarte’ bho chiall neo-chinnteach, buaireasach; mar tha tuigse sgarte’ bho fhaireachduin fuar, gruamach. Tha mi meas gu bheil cumhachd nach bu chòir aig faireachduin thairis oirnne an Gaidhealtachd na h-Alba; agns gu sonruichte tha mi meas gu’n d’thug sinn ’n ar Bardachd sinn fein suas tuillidh ’s a chòir do bhròn ’s do mhulad. “Is fearr dol do thigh a’ bhròin na do thigh na cuirme,”—fior, ro fhior gun teagamh; ach nach dubhairt a’ cheart Searmonaiche, “Aig gach ni tha tràth, agus àm aig gach rùn fuidh nèamh, àm gu gul, agus àm gu gàire.” Ann an Ur-sgeul a tha gu maith siubhlach air feadh Bhreatuinn o chionn bliadhna no dhà (The Princess of Thule) tha seann Righ Bhorbha a’ labhairt mar so mu ’luchd-duthcha ’s mu ’m Bardachd: “Tha ’n Sluagh an comhnuidh ag amharc ri saoghal cianail a tha rompa, no sealltainn air an ais air saoghal cianail a chaidh seachad. An ainm an Aigh! nach ’eil againn ri sealltainn oirnn fein? Tha ’n là diugh na’s fearr na là a thig no thainig; do bhrigh gur e ’n diugh e, ’s gur leinne e. Agus na cluinneam an corr de orain a bhitheas ri caoidh, ’s ri mulad, ’s ri bron.” Cha bu mhaith leam gu’m biodh uiread meas aig an leughadair air beachdan Righ Bhorbha ’s a tha aig an Righ fein. Saoilidh mi nach mor nach ionann do’n teagasg so agus do theagasg air an robh Saoghal eòlach o chionn iomadh linn. “Itheamaid agus òlamaid, oir am màireach gheibh sinn bàs.”—teagasg, ma dh’ fhaodte, aig a’ bheil tuillidh ’s a’ choir de chumhachd thairis air ar cleachduin, cia air bith cho danarra ’s a sheasas an inntinn a mach ’n a aghaidh. Ach co-dhiu dh’ aontaicheas sinn le cunntas MhicCoinnich mu’n ghalar, no co-dhiu dh’ aidicheas sinn gur leigheas cumhaidh an leigheas a dh’ orduich esan, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil failinn ’n ar litreachas, agus nach e dleasdanas gach aon againn ar dichioll a dheanamh air son an fhaillinn a shlanachadh. ’S e cron ar Bardachd, tha mi meas, gu bheil na h-uiread dh’i beathachadh ar faireachduinean a mhain, agus cho beag dh’i a’ sàsuchadh an reusain. ’S e na faireachduinean is measaile a bhuineas duinn a tha ar n-òrain a’ riarachadh agus uime sin cha leigheas cungaidh Righ Bhorbha—òrain shunndach an àite orain thiamhaidh. Ach cha ’n ann ’n ar n-òrain a mhain a tha ’n galar air sgaoileadh. A chur an ceill ar faireachduinean tha ar focail, ar samhluidhean, doigh-chainnt, ar Sgeulachdan, ’s ar Bardachd fior chumhachdach. Ach a mach o’r Sean-fhocail, agus o Bhardachd Oisean, cha ’n fhaighear a bheag ’n ar litreachas Ghaidhealaich a thoilicheas an reusan, an inntinn, an tuigse. C’arson a bhitheadh a’ chuis mar so? C’arson a chluinneas tu gach oraidiche a labhairt le aon rùn an Gaidhlig ’s le rùn eile ’s a’ Bheurla? Rach do Choinneamh Ghaidhealaich, agus nach fairich thu gur e crioch araid an fhir labhairt, ’s a’ Bheurla, fiosrachadh a thoirt dhuit;—’s a’ Ghaidhlig, do chur a chaoineadh no ghaireachdaich. “An uair a bha mi a’m’ leanaban,” ars’ an t-Abstol Pòl, “labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban; ach air fàs domh a’m’ dhuine, chuir mi na nithe leanabaidh air cùl.” ’N ar latha-ne, is duilich gur fior, tha moran de leanabas ri fhaotainn ’n ar meaag. Tha sinn na’s cleachta ri bhi air ar breugadh—focal aig a bheil a naigheachd fein—mar leanabain, na air ar teagasg mar dhaoine. Ciod an leigheas air a’ ghalar so? Their aon de’r Sean-fhocail, “’S e geinn dheth féin a sgoilteas an darach;” agus chuala sinn gu leir iomradh air seol leigheis a bha o chionn beagan bhliadhnachan miaghail aig Lighichean—homoeopathy—a bhi togail anns a’ chorp, le cungaidhean freagarrach, faireachduinean de ’n aon ghnè ris a’ ghalar. Cia b’e cho buadh’or ’s a bhiodh na seoltan so air sgoltadh fiodha ’s air slanuchadh a’ chuirp, cha ’n ’eil mi cho earbsach asda airson ar litreachas a leasachadh. Na’m biodh Punch againn ’s a’ Ghaidhlig, sgiursamaid no smàdamaid an eucail a mach as ar measg. Ma ghabhas tu os laimh do choimhearsnach a theagasg, na dearmad fhaireachduim a riarachadh; ach gu’m b’e do rùn a thuigse a shasuchadh. Mur ’eil tuigse ’s seoltachd air a’ stiùir, theid an long, air a feabhas, a mhaslachadh le gaoith ’s le fairge; ach ma tha, ’s aluinn an sealladh a’ faicinn “a’ marcachd ’s an t-sìne” gu uaibhreach. “Is olc do’n luing an uair a dh’ eigheas an stiùireadair;” is seachd miosa dh’i ma tha e aineolach air a shlighe no ’n a chodal. D. M’K.—’sa Gaidheal 1875. [TD 395] [Vol. 4. No. 50. p. 3] LITIR A CALIFORNIA. Thàinig an litir so a leanas, bho ghille òg pongail a dh’ fhalbh as à Antigonish do Chalifornia. Sgriobhadh i air a cheithreamh la de cheud mhios an t-samhradh, 1851. Tha moran fiosrachadh innte, agus faodair earbhsa a chur aisde, nach eil focal innte ach an fhirinn. Thainig an litir am Beurla gu bràthair. Cha’n eil i air a tionndadh uile gu Gàilig focal air an fhocal mar tha i ’sa Bheurla, oir, bheireadh i mach moran rum. Tha chuid as mo dhi mar a leanas:— A BRATHAIR GHAOLAICH,—Ghlac mi ’m peann am laimh an dràsda, gu beagan fhocal a sgriobhadh ugaibh uair eile, gun fhios an d’ fhuair sibh an litir a sgriobh mi ’nuair thainig mi air tir a so; agus tha mi’n dòchas gu faigh an litir so gach aon de m’ chàirdean a mealltain slàinte agus sonais. Tha mi fhéin ann a slàinte an dràsda rud air a bheil mi gle fheumach, an deigh tri miosan a thoirt am luidhe ann an tinheas trom. Ach buidheachas de Dhia, fhuair mi lamh-an-uachdar air cho fad so. Chosg mi chuile sgillinn a bh’ agam ris an t-saoghal, fhad ’sa bha mi ’san tinneas so, agus ceud dollar a bharrachd, a ghabh mi an iasad bho chompanach a bha tighinn còmhla rium air an t-soitheach. Chosg e dhomh eadar an tinneas agus an t-aiseag tighinn a so, sia ceud dollar; umine sin faodaidh sibh fhèin barail a bhi agaibh ciod e California a thoirt a mach, na bhi gu tinn ann. Ged nach deanadh Lighiche ach tighinn a shealltainn duine, cosgaidh e eadar ceithir ’sa còig a phuinnd da, ’s ma riutheas e mach á airgiod, cha toirear sùil tuilleadh air. Chunnaic mise là ann a so, a bheireadh aon sùil bhlàth bho m’ athair, no o’m mhàthair ghaolach, na bho phiuthair no brathair barrachd sòlais is toileachadh dhomh na ged gheibhinn na bheil de dh’ òr an California gu léir. Oh! ’s beag meas a bh’ agam air an dachaidh fhad ’sa bha i agam, ach ’sann a nis a tha mi tuigsinn de cho luachmhor sa tha i. ’S iomadh là tha mi smaoineachadh le mulad, air an àit an do thogadh ’s ’n do dh’ àraicheadh mi na m’ òige, ’s air na càirdean gaolach a dh’fhàg mi ’am dheigh, ’sa tha nisd cho fada bhuam. Ach air a shon sin, tha mi ’n dòchas gu faic mi fhathasd sibh aig an dachaidh; sin ’nuair bhios e àm chomas min-chùnntas a thoirt duibh air an àit uamhasach so, ’s air na bheil a fulang am. Thainig na miltean a so, a dh’fhàg dachaidh shona, dh’fhag an càirdean, a luchd-daimh, ’s a luchd-eòlais, an dùil gu’n tilleadh iad dachadh le fortan thuca. Ach mo thruaighe! bha iad air a mealladh: Cha’n ’eil ri fhaicinn dhiu so an diugh, ach dùin dheth ’n cnàimhean a sid ’sa so, air feadh beanntainean Chalifornia, ’s iad air tiormachadh ’s air gealachadh ris a ghréin, anns a bheil teas anabarrach sa cheann so. Tha na milltean eile ann a bhiodh sona, na’m b’ urrainn doibh tilleadh dhachaidh, ach cha ’n ’eil dòigh no seòl air sin a dhenamh le cion airgiod, na dùil ris. Tha tuille is da-thrian de na bheil an so, nach eil a deanamh ach air lom-éiginn, ga’n cumail fhéin beò, ’s an obair ro chruaidh goirt orra. Tha ’s a meas gu bheil mu dha dhollar ’sa la far a chéile aig na bheil ag obair ’s na mèinnein an dràsda, ’s ged a tha, ’nuair thig a h-uile cosgais as, cha bhi an tuarasdal ach beag. Cosgai spaid £4, piocaid £2. 15s, Crow-bar £2. 10s. seorsa do dh’ amar a bhios aca a glanadh an òir £25. Cha’n e mhàin gu feum duine na tha so a cheannach mu’n tòisich e, ach ma dh’ fhaoite uair ’sa mhios, chionn cha ghabh rud gleidheadh an so bho na méirlich, ’s iad ro lionmhor ann. Cosgaidh an ceud flùir £6, am punnd muiceil 2s. 6d. am punnd ime 7s. 6d. am punnd caise 5s. an gallan mollasses 22s. 6d. am punnd buntata 18d. paidhir bhòtuinnean £15, am punnd tea 20s, agus gach ni eile air réir sin. Cha ’n urrainn dhòmhsa coimeas is fearr a thoirt dh’ an chosnadh a so, na mar gun biodhte tilgeil chrannchuir. Tha corra fhear le tuiteamas, a deanamh storas an ùine ghoirid, ’se sin a tha cur a leithid de dh’ ainn de ’n àit so. ’S aithne dhomh na ceudan, ’tha ag oibreachadh am a so gun lasachadh, o chionn thri bliadhna, ’s nach urrainn fhathasd dol dachaidh, le cion airgiod, agus coltas a bhàis orra, leis an obair chruaidh, ’s an dòigh cho dona. Bheir mi nisd seachad cùnntas ath-ghearr, air na dh’ fhiuling mi-fhéin gus a so. Thug sinn seachd miosan agus còig latha, on sheòl sinn á Boston, gus an deachaidh sinn air tir am Baille mòr San Francisco. Dh’ fhuadaicheadh sinn gu còrsa Africa, cho dlùth dha ’s gu robh gainmheach Sahara an deigh na siùil fhàgail cho dearg ri teine. B’e an ath chruadal a fhuair sinn, a’ cuairteachadh Cape-Horn, nach leig mi as no chuimhne fhad ’s is beò mi. Bha sinn air an luidhe-uige fad shia-là-fichead ann am marbh a gheamhraidh, gus na dh’ fhuadaicheadh sinn gu Lat. 65° (bha sim beul ri 700 mile o’n fhearann.) Faodaidh sibh féin barail a bhi agaibh, de a fhuiling sinn na leithid so do stoirm, le seann soitheach ao-dionach, a bha ’gabhail a stigh, mar a b’ urrainn duinn cumail a mach. Theid mi nisd air adhart, is innsidh mi a cheud ionnsuidh a thug mi air cosmadh. Tha ’s an toiseach a falbh ceud-gu-leth-mile suas an abhuinn ann am bàta-smùide ’s á sin ri coiseachd ceud eile air tir, gus an ruigear an dùthaich a’s beanntaiche a chunnaic mise riamh, far a bheileas a cladhach airson an òir. ’Nuair bha mi ruighinn an àite so, bha mi ann a làn dòchas, gu’n deanain m’ fhortan an ùine ro ghoird; ach mo chreach! cha robh mi ach da latha ann nuair bhuail tinneas mi. ’Se b’éigin a sin tilleadh air m’ ais, a chuile ceum leam fhein, ro na bha sin do choillidh, agus na plaideachan air mo ghiùlain, ’s mi ann an tuineas trom, agus teas na greie mar an ceudna ga’m chlaoidh. ’Nuair thigeadh an oidhche, cha robh agam ach mi fhéin a leigeil sios air an talamh a meadhon na coille mòire agus plaide a sgaoladh thairis orm, gun fhios de an uair seach a mhionaid, a thigeadh na h-Innseinich fhiadhaich, ’s mo bheatha thoirt dhiom, no thigeadh am mathan na madadh-allaidh, ’s mo thoirt as a cheil nam phaitean. Bha mi anns a staid thruagh so, gus na thill mi a chuile ceum na Bhaile mhòr; thug mi sin tri miosan fo thinneas trom, mar dh’ ainmich mi roimhe, ach taing do Dhia chuir mi nisd seachad e. Chunnaic mi aon rud, ged nach robh ann ach aisling chadail, a thug mòr shòlas domh:—Mar bha mi aon oidhche am luidhe, aig bun craoibh mhòr dharaich, co chunnaic mi a’ tighinn far an robh mi, ach Fionnghal mo phiuthar (a dh’ fhag a bheatha so,) agus naoidhean òg de leanamh aice. Luidh i fhéin air an dàrna taobh dhiom, is chairich i an leanamh air an taobh eile. Thuirt i riunn ann an briathran a thug mòr mhisneach domh, “na biodh eagal no curam ort, tha mise am a so gus do thearnadh o na h-uile cunnart, ’s cha d’thig beud ruit.” Cha ghabh e deanamh (Air a leantuinn air Taobh 6.) [TD 396] [Vol. 4. No. 50. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 20, 1896. Na Chunna mi ’s ’na Chuala mi. LE CATO. (Air a leantuinn.) Air dhuinn an tigh-sgoile ruigheachd, far an robh choinneamh gu bhi againn, chuireadh fàilte orinn le aireamh de bhuill na Lodge a tha ’san àite. Cha robh call ùine ann. Ghabh an t-Urr. Deòrsa Whitley a’ chathair, ghabh gach oigifeach àite fhein, agus chaidh sinn air adhart leis an obair a bha romhainn. B’e mo chuid-sa dhe ’n ghnothuch a bhi cur sios ann an leabhar-cuimhne gearr iomradh air gach ni a rachadh a dheanamh fhad ’sa bhiomaid cruinn. An deigh dhomh dol astar cho fada ann an cairt-rathaid, agus na ròidean gle dhoirbh an siubhal, b’fhearr leam gu mor a bhi ’nam sheasamh na ’nam shuidhe. Air dhuinn fosgladh leis an t-seirbheis chràbhaich àbhaistich, dh’ éisd sinn ri iomradh taitneach air mar a bha’n obair a dol air adhart air feadh na siorrachd. Tha aona lodge dheug anns an t-siorrachd, agus mu chòig ceud ball annta. ’Si “Inuincible,” aig a’ Phlaister, an te as motha dhiubh, Tha 99 dc bhuil innte, ’s o’n chaidh iad cho àrd cha’n eil mi fhéin a tuigsinn carson nach d’ rinn iad an ceud dheth. Tha iad an deigh talla briagha a chur suas. Tha talla ùr aig lodge Nyanza cuideachd. Thagh sinn an t-Urr Mr. Whitley gu aon-ghuthach gu bhi ’na theachdaire dh’ionnsuidh na h-Ard Lodge, a tha gu bhi ann an Truro air an 7mh latha de dh’Iulaidh, ach, tha sinn an dòchas, a bhios ann am Baddeck air an ath bhliadhna. Bu chòir do gach lodge air an eilean teachdairean a chur ann air son gu faigheamaid a toirt a Cheap Breatunn air an t-samhradh s’a tighinn. Gheibhear falbh us tighinn air aon fharadh. Cha chosg air am doigh sin falbh us tighinn á Sidni ach mu chòig dolair, agus á Orangedale mu thri us cairteal. Tha mi tuigsinn cuideachd nach bi cosguis sam bith air na teachdairean a thaobh bùird; gheobh iad aoidheachd gu saor agus a nasguidh fhad ’sa bhios iad anns a’ bhaile. Ach tha mi dol air seacharan, agus feumaidh mi tilleadh dh’ ionnsuidh na h-Aimhne Tuatha. An deigh dhuinn crioch a chur air gach gnothuch a bh’ againn ri chur air dòigh, agus an lodge a sgaoileadh, thainig na h-ioghnagan a stigh, agus am measg moran de nithean matha eile, bha aca a’ phoit-thi ’s an coire a thog ar cridheachan air an rathad. Bha cho liutha seòrsa de gach biadh a b’ fhearr ’s bu bhlasda na chéile aca ’s gu’n toireadh e an t-acras air duine ’n deigh a dhinnearach, ach cha robh dad de chion càil òirnne a thainig astar fada, agus mu’n do dh’fhalbh an t-acras dhinn dhealaich na truinnsearan ri moran dhe na bha orra. Tha muinntir na h-Aimhne Tuatha agus gu h-àraid na h-igheanan, ri ’m moladh air son cho caoimhneil ’s cho còir ’s cho math ’sa rinn iad beatha na feadhnach a bha ’nan coigrich ’san àite. Tha fhios agam nach b’ ann gun dragh mor no gun chosguis a chaidh aca air cuirm cho grinn a thoirt dhuinn. (Ri leantuinn.) Tha arm Bhreatuinn a buadhachadh air sluagh borb Africa, agus a gluasad a deas gu bras. Tha Morair Salisbury ’g radh gu bheil rompa an Soudan a chisneachadh gu buileadh mu’n stad iad, agus gu’m bi Khartoum am baile anns ’n do chaill an Seanalair Gordon a bheatha, fo bhratach na h-Eipheit, agus ’se sin an aon ni ’s e bhi fo bhratach Bhreatunn. Tha an cogadh dol a chosg moran airgeid, agus beatha dhaoine, ach tha e coltach gu feumar a chumail air adhart. AN T-IARLA AGUS AN T-AMADAN.—Bha amadan latha ’gabhail ceum aithghearr troimh fhearann Iarla, faisg air a chaisteal, ’n uair a thachair an duine mor fhéin air. “Till! till!” ars esan ris an amadan, “cha’n e sin an rathad.” “A bheil fhios agad càite bheil mi dol?” ars an t-amadan. “Cha’n eil,” arsa ’n t-Iarla. “’S ciamar,” air an t-amadan, a tha fhios agad nach e so mo rathad?” STOR UR TAILLEARACHD. ri bhi air a fogsladh air an 10 la, ann an STOR W. E. PETERS. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MAC COINNICH & CO. Sidni, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 397] [Vol. 4. No. 50. p. 5] NAIDHEACHDAN Bha a’ chùirt mhor ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. ’Se ’m Breitheamh Ritche bu cheann oirre air an turus so. Thatar a’ cur eich á Eilean a Phrionnsa dha na h-Innsean an Iar air an t-samhradh so, agus thatar a faighinn eadar ceud ’s da fhichead us ceud us ceithir fichead dolair an ceann orra. Chaidh seòladair a bha air bòrd soitheach á Norway a mharbhadh faisg air Parrsboro, N. S., Di-mairt s’a chaidh. Bha e ’g obair air cur a mach ballaisd as an t-soitheach, agus thuit clach air ’ga bhualadh ’sa cheann, agus ’ga mharbhadh air ball. Tha an t-Urr. Calum Caimbeul, ministear Strath-Alba, an dràsda air chuairt ghoirid ann an Ceap Breatunn. Chaidh e deireadh na seachdain s’a chaidh dh’ ionnsuidh a Chladaich a Tuath, a dh’ amharc a chàirdean, agus tha dùil aige taghal ann an Sidni deireadh na seachdain so. Tha MAC-TALLA an dòchas gu’n còrd a thurus gu math ’s gu ro-mhath ris. Chaidh duine stigh do dh’ oifis bancair ann am baile New York an la roimhe, agus loisg e da urchair air, agus an sin loisg e air fhéin. Tea am bancair, do’n ainm Deòrsa Wykoff, gle iseal; cha’n eil fhios co dhiu thig no nach tig e uaithe. Tha am fear a loisg na h-urchraichean e fhéin coltach ris a bhàs. Thatar ag radh gu’n do dh’ iarr e air Wykoff suim airgeid a thoirt dha, agus ’nuair a dhiùlt e gu’n do loisg e air. ’S iomadh olc a tha sannt an airgeid ag aobharrachadh. Chaidh fear Gilbert Thibedault a bhàthadh ann am Miminegach, E. P. I., Di-domhnaich s’a chaidh. Bha e-fhéin us fear eile a tigh’n dhachaidh as an aifhrinn ann am bàt-iasgaich, bhuail am bàta banca gainmhich aig beul na h-acarsaid agus chaidh e thairis. Fhuaireadh am fear a bha còmhla ri Thibedault a shábhaladh, ach chaidh e-fhéin a bhàthadh mu’n d’ fhuaireas far an robh e. Fhuaireadh a chorp an deigh dha bhi ’san uisge sia uairean. Dh’ fhàg e bean agus teaghlach mor de chloinn. Tha sinn duilich gu bheil againn air an t-seachdain so ri innse sgeula-bais aon de ar fior chàirdean, Iain D. Mac Leoid, a’ Valleyfield, an Eilean a’ Prìonnsa. Bha Mr. Mac Leòid fad àireamh bhliadhnaichean a’ cumail sgoile, agus an deigh dha ’n obair sin a leigeal dheth, shuidhich e ann a Valleyfield, far an robh e ’na mharsanta ’s na Phost-mhaighstir gu àm a bhàis. Bha eòlas farsuing aige, agus bha e anabarrach measail aig gach aon de ’chairdean ’s de ’luchd-eòlais. Bha e a’ leughadh moran agus mar sin bha e ’na dhuine gle fhiosrach. Bha e ’na sgriobhaiche pongail, agus chuir e litir us sgeul uair us uair gu MAC-TALLA. Chaochail e air an darra latha deug dhe’n Mhàigh, aig aois da fhichead bliadhna. Dh’ fhàg e bantrach, agus a mhàthair féin, gu bhi caoidh a bhàis. Tha cuid dhe ’chàirdean a comhnuidh ann an Ceap Breatunn. Leis cho stoirmeil ’sa bha ’n t-sìde o’n thainig an samhradh, ’s nach d’ fhuaireas a bheag de na giomaich a ghlacadh, thatar a dol a thoirt cead do na h-iasgairean leanail air an glacadh coig latha deug na’s fhaide na b’ àbhaist bliadhnaichean eile. ’S àbhuist stad a chur air an iasgach air a chòigeamh latha deug de dh’ Iulaidh, ach am bliadhna cha chuirear stad air gus an deicheamh latha fichead. Chaidh latha ’n Ainmeachaidh seachad gu sitheil; cha chuala sinn gu robh a bheag a dh’ iorghail ann an àite sam bith, agus ’s ann mar sin fhéin bu chòir a bhi. Da fhichead bliadhna roimhe so, bhiodh aìmhreitean eagallach ann an àiteachean an co-cheangal ri taghadh luchd-parlamaid, ach dh’ fhalbh na làithean sin, agus cha’n eil dùil ri iad a thilleadh, ’s cha mho na sin a tha iarraidh air. Tha daoine a’ fòghlum gu’n gabh gnothuichean na dùthcha cur air dòigh gun aimhreit no sabaid sam bith a bhi timchioll orra. Tha aig na Stàitean ri Ceann-suidhe thaghadh air an bhoghar s’a tighinn, agus tha ’n da phàirlidh, ag ullachadh air son na strith. Tha gle choltach gu’n ainmich na Republicans McKinley, agus thatar ag radh gu’m faod na Democrats Cleveland ainmeachadh. Cha robh ’n aon cheann-suidhe air na Stàitean riamh na b’ fhaide na ochd bliadhna ’se sin da therm ach cha’n eil lagh na dùthcha ag radh nach faodar duine chur a stigh an treas uair ma ’s e sin toil an t-sluaigh. Tha Cleveland a mise stigh ochd bliadhna, ach ’si barail moran gu’m feuchar ri chur a stigh fad cheithir bliadhn’ eils. Thug fear do’n ainm Iain White, ionnsuidh air tigh’n ri bheatha fhéin ann a’ Halifax, air an t-seachdain s’a chaidh. Rinn e ’n toiseach suas inntinn gur h-e e-fhéin a bhàthadh a dheanadh e, ach ’s air eagal ’s nach fhaighte a chorp, leig e sin as a cheann, ’s bha e dol a ghearradh a sgòrnain. Cheannaich e ràsar ùr, agus gheuraich e e, ach an deigh sin dh’ atharraich e ’inntinn a rithist, agus ’sann a bha e ’dol a chur as da fáin le leum bhar bàarr porta telegraph. Dhirich e fear dhiubh, agus leum e nuas, ach cha deachaidh a mharbhadh idir, ’s tha choltas air gu’n tig e uaithe. Thatar ag radh gu bheil a bhean a fuireach ann an Ceap Breatunn. BAIS. Ann am Boston, air an 30mh latha dhe’n Mhaigh, Caiptean Seumas C. Mac-an-Tòisich, mac do Chalum Mac-an-Tòisich, am Malagawatch, 31 bliadhna dh’ aois, a’ fàgail bantrach us paisde, pàrantan ’s braithrean us peathraichean, a chaoidh a bhàis. Ann am Malagawatch, air an 7mh latha dhe’n mhios, bean Lachuinn Mhic Fhionghain, 74 bliadhna dh’ aois. Bu phiuthar i do’n Urr. Lachuinn Domhnullach, an Earlton, N. S., agus màthair Dhomhnuill L. Mhic Fhionghain ’sa bhaile so. Aig an Allt Dhubh, am Mira, air an treas latha dhe’n mhios, Fionnghal bantrach Iain ’Ic Aonghais, nach maireann, 71 bliadhna dh’ aois, a’ fagail sianar chloinne. IUN, 1896. 1 Di-luain. Blar Dhrum clog 1679. 2 Di-màirt. (3) Breith T. àig ’Ic Leòid,’12 3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768 4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad. 5 Di-haoine 6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329. 7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid. 8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696. 9 Di-màirt. An Fheill Chaluim. 10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile. 11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29. mad. 12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488. 13 Di-sathairne 14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid. 15 Di-luain. Breith Dhomhnuill ’IcCoinich 1783 16 Di-màirt 17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689. 18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815. 19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad. 20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain. 21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid. 22 Di-luain. (21) La a’s fhaide ’sa bhliadhna. 23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861. 24 Di-ciaduin. An fheill Eathain. 25 Dior-daoin. Blar Allt a’ Bhonnaich, 1314. 26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad. 27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857. 28 DI-DONAICH. IV Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil. 30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1685. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhiorionach tha sinn a creic air $3.25 Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. MAC COINNICH & CO. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 [TD 398] [Vol. 4. No. 50. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) ’s cha ’n urrainn e dol sios am briathran, na thug so de shòlas dòmhsa, ’nuair chunnaic mi i; ’se cheud ni rinn mi ’nuair dhuisg mi, feuch a faicinn i fhein ’s a h-aingil geal; ach cha ’n fhaca, ’s cha ’n fhaic, gus a faic mi, tha mi an dòchas, am Flathnas i. An deigh dol am feothas, thug mi ionnsuidh eile air meinn a tha deas air an àite an robh mi roimhe, a tha da cheud as còig-mile-fichead o’n bhaile-mhor, far a bheil mì an dràsda ris an obair a’s cruaidhe ris ’n do theann duine riamh, le fior dhroch dhòigh. An deigh an latha oibreachadh gu goirt, cha ’n ’eil aig duine an so ach e fhéin a leigeil na shineadh air an talamh lom, gun ni ach fileadh tana de chotan thairis air, gus a dhion o uisge an athair. Tha na madaidhean-allaidh cho lionmhor, ’s nach leig iad le’n donnalaich, prioba caduil lium. Feumair teinntein mora chumail suas re na h-òidhche, gus am cumail air falbh, air neo bheir iad sgrios oirnn. Thug mi tri miosan a cladhach an so gu goirt, ’s cha do choisinn mi ni san ùine sin, ach còig-dolair-dheug-air-fhichead. Dh’ amais mi o chionn ghoirid, air àite ’san dean mi mu cheud dollar ’sa mhios; ma leanas sin, ’s gun cum Dia mo shlàinte rium, tha mi an dochas gu’n dean mi feum fhathasd. Tha giulain an t-sluigh aon a so ’g am oillteachadh. Cha ’n eil seorsa droch-bheairt nach eil a’ dol air adhart ann, air chor ’s gu faod mi radh, ma tha ifrinn air talamh, ’s ann a so a tha i. Cha ’n ioghnadh sin, ’s gu bheil na h-uile seorsa sluaigh ann, as gach cearn de’n t-saoghal. ’Se Di-domhnuich an aon la’ gu gabhail a chuthaich. Tha seorsa de chluich aca ris an abair iad Bull fighting, a thug na Mexicanaich do’n àite. Tha pàirt de luchd an airgid, a chuireas eadar a tri ’sa ceithir de mhiltean dolar air aona cheann bùird, mar gheall ’sa chluich so, gus na mèinneadairean a mhealladh. ’S iomadh aon a chunnaic mi a call an cuid de’ n t-saoghal air an dòigh so. Chunnaic mi a bhi bristeadh còig sa sia a Bhancaichean aon latha leis a chluich so. Mar an ceudna, tha ’s a dòrtadh moran faladh timchioll orra. A chaoidh, cha leig mi air di-chuimhne, an sealladh deisneach a fhuair mi air mo cho-chreutairean ann a so. Chite cuid dhiu an sid ’sa so ’nan sineadh ’san sgòrnain air an gearrradh, chite cuid eile, ’s an coluinnean mar chriathar tholl leis na peileirean, chite thall sa bhos iad, ’s am mionnrch air an leigeil ma’n casan le ruinn nan sgeanan. Cha ’n ’eil e na rud ainmig a leithid so do sealladh fhaicinn an so; g’un dol ni ’s fhaid n’an de fhéin, chunnaic mi a bhi sàthadh cuirce tri uairean ann an duine, gus na thuit e marbh air a’ spot. An là roimhe sin, chunnaic mi bhi a losgadh air fear, gun tuille reusain, ach e radh ris an fhear eile gun robh e breugach. Chuairtich na méinneadairean an sin am fear a loisg an urchair, agus chuir iad duala do ròpa m’a amhuich ’s chrochach ’sa spot e, is bha a marbh roi’n fhear troi’n chuir e am peileir. Bha nise mi fhéin da uair an cònnspaid de’n t-seòrsa so, gu ceartas a dheanamh ’san àite an robh sinn a cladhach, far an robh na peileirean a feadairsaich gu dlù seachad air mo cheann, ach buidheachas do Dhia thearuin mi. Anns a cheud àite, chaidh ceathrar a mharbhadh sa spot, agus mòran a leòn. Anns an ath aite, chaidh triùir a mharbhadh, is tuilleadh a leòn. Tha ’n sluagh ann a so, a’ dol am miosad a chuile latha, chionn ’s gu bheil an t-òr a dol na ’s goinne. Cha ’n ’eil e sàbhailt do dhuine gluasad ma tha bheag sam bith do dh’òr air a shiubhal. Cha ’n eile caraid aig duine is fearr na dag a chumail daonnan làn air a shiùbhal, agus beigleid air a chris. Cha lean mise ni’s fhaide an casgradh sgreataidh so; lionadh e leabhar ma ’n d’ thugainn min-chùnntas air an dol-a-mach eagallach a th ’ann a so. Ach ma tha e’n dan domhsa dol dachaidh, innsidh mi iomadh sgeula gabhaidh, air pairt deth na chunnaic mi o’n dh’fhalbh mi. Ged bhithinn an drasda, na’m suidh ri’r taobh mar tha mi so; cha’n aithneadh sibh gu fac sibh riamh mi. Tha m’ fheusag cho fad, ’s gu faod mi snaim ri putain broilleach mo leineadh. ’S coltaiche sinn uile ann a so ri savages, no daoine feadhaich, na ri creutair air bith eile. Saoilidh sibh ’nuair leubhas sibh na paipeirean naigheachd, gu’n bu choir do dhuine fhortan a dheanamh an so ùine ghoirid, ach creideadh sibhe focal Brathair, gu bheil an t-am thairis, gu fortan a dheanamh ann a so tuilleadh. Na sealladh sibh thairis air na meinnean, shaoilidh sibh gu’n deachaidh obair fhichead bliadhna a dheanamh ann mar tha. Na bithibh fo mhor churam ma ’m dheighinn, tha mi a’ nisd air mo chruadhachadh ri doighnean an t-saoghail; ’s gu bheil fios agam ciamar a bheir mi, mi fhein tromimh na h-uile cunnart. Tha mi ann an lan dhochas gu faic mi sibh fhathasd aig air dachaidh, ’s mar faic mi air an t-saoghal so tuille sibh, ’se mo ghuidh is m’ achanaich gu faic mo ann a flathanas sibh. Cha’n abair mi tuille air an am, ach mo bheannachd gu’m chairdean uile air fad. ’S mise da rireamh air brathair gaolach. EOGHANN DOMHNULLACH. Cha’n eil fhios aig moran gu bheil Breatuinn gach bliadhna ’paigheadh suim mhor airgeid air son fòd gorm a chumail air uaghaanan an cuid shaighdearan fhuair bàs air sgàth an dhùthcha ann an tirean cèin. Tha £200 air a phàigheadh air son àit-adhlacaidh nan saighdearan a thuit ’sa chogadh Ruiseanach anns a Chrimea, £360 eile air son cladh a tha anns an Tuirc; aig baile na na h-Aithne tha cladh eile air a bheilear a’ cosg £5, agus mar sin air adhart, ann ann Sina, an Japan, an Siam, ’s na h-Innsean, an Africa ’s an America, a’ cosg do’n Ionmhas air fad mu ochd ceud punnd Sasunnach. Cha’n eil Breatuinn a deanamh diochuimhn’ air na daoine treuna a dh’fhuiling am bàs air a son, ge b’e cearna dhe’n t-saoghal ’san do thuit iad. FAD SHAOGHAL.—Tha Donnacha Ban ann am fear de ’òrain ag radh “gun e ’n duine diamhain a’s fhaide mhaireas,” ach tha iadsan a rannsaich a’ chùis a mach ’san latha ’n diugh, ag radh nach eil sin ceart, gur ’e ’n duine bhios ri obair chruaidh a’s fhaide bhios beo na esan a bhios ’na thamh. Tha iad mar an ceudna ’g radh gu’m bi iadsan a tha pòsda na’s fhaide beò na bhios iadsan nach eil: gu bheil sluagh callda na’s buaine na sluagh borb fiadhaich; gu mair na daoine mora na’s fhaide na na daoine beaga, agus gu mair iadsan a tha de mheudachd chuimseach na’s fhaide na fear seach fear dhiubh. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith orr taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. [TD 399] [Vol. 4. No. 50. p. 7] TURUS A MHARAICHE. CAIB. VIII. Mar so ghabh na maraichean comhairle mhilis le cheile. Rainig iad earrann aithnichte fo’n ainm na “h-Uisgeachan Seimhe.” Bha’n fhairge mar ghloine, gidheadh ghluais an soitheach air aghart. Cha robh neul anns na speuran agus sheinneadh molaidhean an Tighearna bho mhaduinn gu anamach a dh-oidhche. Bha gradh a nis aig Criosduidh agus a theaghlach do’n mhuir leis a ghradh sin tha caitheadh a mach eagal. Chomhairlich Tuigse dhaibh buanachadh ann an caithris agus urnuigh mar gu’ m bitheadh iad ann a stoirm. Sheol iad fad seachduin anns na h-Uisgeachan Seimhe: nochd gach meadhon-latha ni bu lugha, astar gus fadheoidh gu robh choltas gu robh iad tur na’n seasamh: gidheadh bha na maraichean de’n bheachd gu robh gach ni gu maith,—se sin a’ gluasad gu ceart. Fad cuid de laithean cha d’ amhairc Criosduidh anns a chairt ni nò na ghleidh e co-chomun ri Dia niheadh, dh’inntrinn a smuainn na anam nach robh feum aige-san aon chuid air cairt no leabhar na Beatha: ach a nis bha e air tionndadh gu bhi ’na dhuine aig an robh aithne air toil an Tighearna. Thug Tuigse fanear do’n atharrachadh agus thug e rabhadh dha gu robh a facal foillsichte feumal eadhon gu latha deireannach an turuis. Thubhairt Criosduidh “tha chuis direach mar sinn, ach cha’n eil feum aig na h-uile oirre anns’ an aon seadh.” Mar bu shamhaich an fhairge, agus bu bhlàithe an t-aileadh, ’sann bu leisge dh-fhas na maraichean, a smuaineachad gu robh gu leor ann a bhi aoibhneach ann am maitheas an Tighearn, gun bhi shireadh chum seirbhis a dheanadh ann a bhi toirt umhlachd da bhriathran. Tha moran dhe’n bharail gu’n d’fhuaireadh a phiob mor air tùs am measg nan Gàidheal ann an Alba; ’se mearachd a tha ’n sin. Tha e nis air a dhearbhadh gu soilleir gu robh a phiob ’na h-inneal-ciùil ann ain Babilon, agus anns na h-Innsean, agus gu robh i air a cluich aig seirbhis an teampuill ann air Ierusalem. Chaidh a toirt do na h-Eileanan Breatunnach beagan an deigh tighinn nan Romanach. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 400] [Vol. 4. No. 50. p. 8] Leis an Lurgainn. Leis an Lurgainn o hi, Leis an Lurgainn o hò, Beul an anmoich o hì, ’S fheudar falbh le ’cuid seòl. An Cuan Eirinn o hi, Muir ag éirigh o hò, ’S cha bu lèir dhuinn o hì, Nì fo ’n ghréin ach na neòil Saechad Ile o hì Beul na h-oidhche o hò, Las sinn coinnlean o hì, ’S chuir sinn combaist air dòigh. Seachad Aros o hì, Bha i gàbhaidh o hò, ’N fhairge làidir o hì, Suas gu barr a’ chroinn-sgòid. Thuirt an sgiobair o hì, Ri chuid ghillean o hò, “Glacaibh misneach o hì; ’S cuiribh riof ’na cuid seòl. Suas a h-aodach o hì Ri ’croinn chaola o hò ’Snàmh cho aotrom o hì, Ris an fhaoilinn air lòn. Fhuair sinn fosgladh o hì, M’a ceann toisich o hò, Fear ’ga taomadh o hì, ’S gillean coltach air bòrd, Blath Oirdheirc Dhunblain. (The Flower of Dunblain.) Chaidh a’ ghrian as an t-sealladh Thar mullach Beinn-lomuin, Is dh’fhag i na neoil-dhearg Gu h-ard as a deigh: Oidhche shamhraidh ’s mi gluasad ’S an anmoch gu h-uaigneach, A smaointeach air Seonaid, Blath oirdheirc Dhunblain. Ged is ciatach na rosan, Le ’m badana boidheach, Ged is cubhrai’ am barrach, Le ’fhaile cho grinn; Gur a milse, s gur boiche, S gur ionmhuinne dhomsa An oigh mhaiseach Seonaid, Blàth oirdheirc Dhunblain. Tha i siobhalta, foinnidh, Tha i neo-chiontach lionneil; Tha i dìleas, neo-chealgach, Gun sgainnil, gun bheum. B’e ’n daoidhear ro ghòrach A thruailleadh an òg-bhean, Ann an ùr-ròs a h-oigheachd, Blàth oirdheirc Dhunblain. Seinn thusa, a smeorach, Do leadan ’s an òg-choill’, ’S mactalla a’ freagairt O chreagan a’s ghleann; Ach ’s gràdhaiche boiche, Mo chaomh chaileag dhomhsa, An ribhinn gun fhòtus, Blàth oirdheirc Dhunblain. Bu neo-eibhneach mo ghluasad Gus am faca mi ’ghruagach, Bha aidhear a’ bhaile Neo-thaitneach dhomh fein; Cha’n fhaca mi ’n oighe A dh’iarrainn a phòsadh, Gus am faca mi Seonaid, Blath oirdheirc Dhunblain. Ged bhiodh agam stòras, Mar righ ann am mòrachd, ’N am measg sud bu bhronach Mo dhòruinn, ’s mo phein; ’Us mheasainn mar neo-ni Gach mòrchuis is sonas Mar faicinn mo Sheonaid, Blath oirdheirc Dhunblain. Biodh e reamhar no caol, is mairg nach beathaicheadh laogh dha fhein. Air grothach na cuthaig. Aird na dalach is isle, na h-àirde. Aithne na bliadhna gu léir aig fear na h-aon oidhche. Aithnichear duine air a chuideachd. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a’ chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B [TD 401] [Vol. 4. No. 51. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 27, 1896. No. 51. MEIRLEACH NAM MARAG. Bha Iain Mac-an-Toisich a fuireach faisg air Bail’-an-fhuarain air Abhainn Mhoir Phicto. Dh’ éug e-fein ach tha a bhean aige beo fhathast. ’Tha e fior gu leoir gun dug biast de mheirleach leis na nithean a tha air an ainmeachadh san oran. Bha Aonghus Mac-Aonghuis a fuireach faisg air ait Iain Mhic-an Toisich. Bha e greis mhoir na ghobhainn air luin-gchogaidh. Tha e na dhuine mor sgairteil, agus tha gunnachan is dagachan gu leoir aige. Thug am meirleach an deagh aire nach deach e na charaibh. Bha ’n t-Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair na mhinistir air an Abhainn Mhoir nuair a ghoideadh na maragan. Dh’ innis bean Iain Mhic-an-Toisich dha mar a dh’ eirich dh’ i. An ceann seachdainn an deidh sin thanig an t-oran air meirleach nam marag am mach ann an Cuil na Gaidhlig am paipeir Phicto. Mar a chithear tha e air a chur am mach ann an ainm na te a chaill na maragan. Ged a dheanadh i maragan matha cha do chuir duine riamh as a leth gur h-i a rinn an t-oran. Tha e lan chinnteach nach robh fios aice gun deach a dheanamh gus am fac i anns a phaipeir e. Rinn an clobhuailtear beagan de mhearachdan. Tha Co am fear aige an aite Co e am fear, ine an ait ime, ri eireag an aite ri eireig, na marsan an aite na measan, le Aonghus an aite gu Aonghus, Co dh’ iarraidh, an aite Co dh’ iarradh, do thachadh an aite do thachdadh, an uaignis an ait an uaigneas, bu taiteuch an aite bu taitneach, do ghlaeadh an aite do ghlacadh. A chomhnadh an Asia thuathaich an ait A chomhnuidh an Asia thuathaich, agus do bhrathais an aite do bhrathair. Tha e soilleir gur h-e Siberia a tha air a chiallachadh le Asia thuathach. Gu ma fada beo a bhean chaoimhneil ghasda bho ’n do ghoideadh na maragan. IAIN NA CREIGE DUIBHE. A Columbia Bhreatunnach. A MHIC-TALLA IONMHUINN:—O chionn beagan bhliadhnaichean, chunnaic mi MAC-TALLA aig caraid ann am baile mor Victoria, agus ’s e thog mo chridhe an uair a chunnaic mi cànain chaomh mo mhàthar air a sgriobhadh cho fileanta, agus na sgeulachdan air an innse cho blasda. Dh’ fhàg mi dùthaich m’ àraich, Eilean a Phrionnsa, o chionn còrr us fichead bliadhna. Tha mi smaoineachadh gu’n toir mi sgeula dhuibh air an dùthaich anns am bheil mi, gus air a mhuinntir a chunnaic mi. ’Si so dùthaich nam beanntan agus an òir. Tha air a bhliadhna so moran obrach a dol air adhart, feuchainn ri òr fhaighinn a grunnd nan aimhnichean le innealan uisge. Tha moran sluaigh a tigh’n a stigh ach tha dùil agam gu faigh moran dhiubh iomadh sarachadh mus dean iad am fortan. Thachair mi an so air dithis a mhuinntir Cheap Breatunn—Alasdair Mac Isaic o Amhuinn Mhargaree, agus Alasdair D. Mac Fhionghain o Loch Ainslie. Tha Maighstir Mac Fhionghain ’na mhinisteir ’sa chearna so. Dh’ fhàg e mu Bhealltuinn oil-thigh na Bànrinn, an Kingston, an Ontario. Tha e na shearmonaiche comasach, agus bidh e fhathast glé fheumail ’sa chùbaid. Bidh mi-fhin ’s e-fhein an dràsd ’sa rithist a’ siubhal nam beanntan, agus nuair bhios sinn muladach, ’s sinn a’ smaoineachadh air ar càirdean air taobh thall nam beanntan, bidh sinn a’ seinn luinneagan a bhios freagarrach air ar cor:— “Mi aig Allt-a-Mhuilinn Mo lamh fo m’ cheann ’s mi ri tuireadh ’Cuimhneachadh mar bha mi ’n uiridh ’S beag mo shubhachas ri gàire. ’Se dh’ fhag mi cho trom fo mhulad, Bhi ’cuimhneachadh air a’ bhruidhinn, Do ’m bu dùchas na glinn chumhang— Fàth mo dhubhachais ur fagàil. Ged dh’ fhàg mi ’n coimhearsnachd grathuinn, ’S an Taobh-tuath cha’n fhan mi fada; Tillidh mi air m’ eòlas dhachaidh, ’Dhùchaich charrantaich mo chàirdean.’ Is mise ur caraid, an latha chi ’s nach fhaic. IAIN F. SMITH. Quesnelle, Cariboo, B. C., 13, 6, ’96. Bha Eirionnach ann uair a bhiodh a tarruinn uisge gu baile beag á amhuinn a bha mu leth-mhile uaithe. Aon latha ’s e tarruinn analach aig bruaich na h-aimhne, thainig duine far an robh e a bha fior dheigheil air a bhi cur cheistean, agus ars esan, “Cia lion bliadhna tha thu ris an obair sin?” “Beagan thairis air deich bliadhna,” arsa Pat. “Agus cia lion lòd is àbhaist duit a tharruinn ann an latha?” “Eadar deich us dusan,” arsa Pat. “Ah,” ars an duine, “tha mi mise dol a chur ceist ort. Dé uiread uisge ’sa tharruinn thu uile gu léir anns an ùine sin.” Bha so a’ sàrachadh Phat, ’s cabhag air. “Tharruinn mi” ars esan, ’s e tomhadh ris an amhuinn” a’ h-uile boinne nach eil thu a’ faicinn ann an sid an dràsda.” Bha seanair Moraig na sheann duine, ach bha Morag a’ smaoineachadh gu robh e moran na bu shine na bha e. Aon latha ’s e ’ga h-altrumas, thuirt i ris, “A sheanair, an robh sibhse ’san àirc?” “A chiall, cha robh,” arsa ’seanair. “Nach robh,” arsa Morag, ’s i fosgladh a sùilean le ioghnadh mòr, “ciamar, mata, nach deachaidh ’ur bàthadh?” Tha Ruisia an dràsda ’g obair air rathad iaruinn a chur troimh Siberia dh’ ionnsuidh a Chuain Chiùin. Tha e ri bhi ullamh an ceainn cheithir bliadhna, agus an uair sin theid aig duine air cuairt a chur air an t-saoghal ann an deich latha fichead. Bidh cosguis an turuis eadar da cheud gu leth us ceithir cheud dolair. An feadh a bhios an fhìrinn ’s an onair aig fear, faodaidh e clach-nhullaich a chabhsair a ghabhail. [TD 402] [Vol. 4. No. 51. p. 2] SEAN-FHOCAIL. BU DUAL DA SIN. Am measg nan Sean-fhocail Gaidhealach cha ’n ’eil teagasg is trice a th’ air a thoirt f’ar comhair na so,—gu bheil feartan ’us faillinnean cuirp ’us inntinn, deas-ghnathan ’us cleachduinean a’ ruith ’s an fhuil, air an giulan a nuas o pharantan gu cloinn. Cha lugha na fichead Sean-fhocal a th’ againn d’an ceud bhrigh an teagasg so; agus tha moran eile a tha dearbhadh air caochladh dhoighean cho diongmhalta ’s a bha na sean daoine a’ creidsinn ann. Tha cuid diu ann an cainnt shoilleir ag aithris an teagaisg na lan-fharsuingeachd: “Mac mar an t-athair;” “Dh’ aithnich mi gur meann a bheireadh a’ ghabhar;” “Cha tig o’n mhuic ach uircein;” “Cha tig as a’ phoit ach an toit a bhitheas innte;” “An rud a chinneas ’s a’ chnaimh, cha tig e as an fheoil;” “Cha tig á saoitheach ach an deoch a bhitheas ann;” “Cha d’ thainig ubh mor riamh o’n dreathan-donn.” Gheibhear cuid eile, fo chaochladh samhladh, a dearbhadh an teagaisg le bhi comharrachadh a mach rian sonruichte a th’ air aiseag o pharantan gu cloinn: “Bu dual do laogh an fheidh ruith a bhi aige;” “Bu dual tòchd an ime ’bhi air a bhlathaich; “Ciod a dh’ iarradh tu air bo, ach gnusd.” Tha cuid a’ toirt f’ar comhair riaghladh an lagha anns a’ chorp a mhain, “Theid dubhag ri dualchas;” cuid ’s an inntinn a mhain. “Cha tig smuaintean maith á cridhe salach;” cuid araon anns a’ chorp ’s anns an inntinn, “Cha d’ thainig eun glan riamh á nead a chlamhain;” “An galar a’ bhitheas ’s a mhathair, is gnath leis a bhi ’s an nighinn;” “Is duilich burn glan a thoirt á tobar salach;” agus aon gu sonruichte a tha ’ceangal ar deas-ghnathan ’s air cleachduinean cumanta ris an lagh cheudna, “Theid duthchas an aghaidh nan creag.” Feudar an Radh a ghabh sinn mar steigh a chur air ceann an teagaisg; oir tha e filleadh a stigh ann an ceithir focail bheaga na firinn (ma’s firinn i) a th’ air a h-aithris air aon doigh na doigh eile leis na Sean-fhocail a dh’ ainmich mi. Is gann a chreideas mi gu’m faighear dream eile ’bu mo thug an inntinnean suas do’n bheachd so na ’n Cinneadh Gaidhealach. Tha, gun teagamh, aon no dhà d’ar Sean-fhocail a’ teagasg an atharraich,—“Is minic a bha droch laogh aig deagh mhart,” “Is minic a bha claidheamh maith ’an droch thruaill,”—ach cha ’n ’eil iad ach tearc; agus tha ’n doigh chainnt leis a’ bheil iad a’ toiseachadh, “Is minic,” a’ dearbhadh gu’n robh an Ughdair ag amharc orra mar “easbhuidh cumaidh ris an lagh,” agus nach b’ ann mar lagh iad fein. Cha ’n ’eil neach a leugh a bheag no mhor de Eachdraidh ’s de Bhardachd nan Gaidheal nach faic an cumhachd a bh’ aig an teagasg so thairis air inntinnean ar sinn-searan anns gach linn. Cha ’n ’eil taobh duilleig de Oisein anns nach eil eisempleir ar n-aithrichean air a cur f’ar comhair a chum ar brosnuchadh gu gaisge ’s gu treuntas. Lean na Baird Ghaidhealach an deagh cleachduin so. “Lean-sa cliu na dh’aom a chaoidh Mar d’aithrichean bi-sa fein,” arsa Fionnaghal ri Oscar; agus ’s e so a mhor chuid de theagasg Oisein. “Bi gaisgeil mar bu dual duit;” feudar a radh gur e so ceann-teagaisg nam Bard Gaidhealach, agus nam Bard Gallda a sheinn mu threuntas nan Gaidheal ’s mu’n dilseachd do na Stiubhartaich. Agus bha gach Ceannard ainmeil Airm bho Ghalgacus gu Morair Chluaidh lan-fhiosrach air a’ bhuaidh a bh’ aig a’ chreidimh so thairis air na Saighdearan Gaidhealach. Cha mhor de bheachdan ar sinnsearan, ma tha aon idir ann, a ghleidh uiread de’n cumhachd ’s a rinn am beachd so. Feudar a mhor chuid de’n spiorad a th’ aig bun na dilseachd ’s an duinealais a th’air a nochdadh ’n ar Comuinn Ghaidhealach ’s na bailte mora a lorgachadh gus am beachd cheudna. Cha’n ’eil maith na olc a chi sinn ’n ar coimhearsnaich nach ’eil sinn ullamh gu sealltuinn air ais, ’s a cheangal ri co-ionann gne a gheibhear ’s na “daoine o’n d’thainig iad.” Ma tha mac do choimhearsnaich deas ’n a phearsa, ma tha ’nighean maiseach, no ’n t-atharrach—ma tha iad slan no euslan, buan no diombuan, aoidheil no doicheallach, fialaidh no spiocach, glic no amaideach, fior no breugach, ionraic no bradach;—nach ’eil thu ullamh—ro-ullamh—gu radh, gun moran feoraich a dheanamh, “Bu dual daibh sin.” ’S e mo bheachd gur airidh an teagasg so, a rinn greim cho daingean air inntinnean air n-aithrichean, ’s aig a’ bheil a leithid de bhuaidh thairis ar Creidimh ’us Cleachduin ar latha fein, a rannsuchadh gu dlu. A’ bheil an Sean-fhocal fior; agus ma tha, ciod e cho fior? A’ bheil an lagh a tha ’n Sean-fhocal a’ comharrachadh a mach a’ riaghladh a’ Chruthachaidh leis fein, no ’n comh-bhoinn ri laghannan eile? Ma tha dà thaobh air, mar theirear gu tric a th’air Bean a’ Bhaile ’s air Rugha Cuain, feuchamaid ri sealltainn air a dha thaobh. Gun teagamh tha Ceistean cudthromach co-cheangailte ris an teagasg. Staid an Duine—aite ’s an Domhan—a dhleasdanais dha fein, d’a cho-chreutairean, ’s do gach ni cruthaichte—a chor mar bhith reusanta le anam neo-bhasmhor;—tha gach ceist dhiu so, ’s iomadh ceist a tha leantainn ’n an lorg so, an crochadh ri teagasg an t-Sean-fhocail. ’S e air dleasdanas ma ta an Radh so a cheasnachadh; an cnaimh a bhriseadh ’s an smior a dheothal, oir is eigin gu bheil a bheag no mhor de smior ann. A reir mar is leir dhuinne, tha tri cumhachdan ann, a tha, le cheile, a’ sonruchadh cor nadurra gach creutair air thalamh; ’s e sin, a Pharantan, an Saoghal, agus E fein. Tha so cho fìor, tha mi meas, mu thimchioll gach ni anns a’ bheil beatha, a reir an gne, ’s a tha e mu thimchioll an duine. Tha ar n-aithrichean, anns na Sean-fhocail, ag aideachadh nan cumhachdan fa leth, mu thimchioll an duine co-dhiu, ach anns an t-Sean-fhocal “Bu dual da sin,” ’s anns na Sean-fhocail eile a dh’ ainmich mi, ’s e cumhachd nam Parantan a mhain a th’ air a thoirt f’ar comhair. Aontaichidh gach neach gu bheil e fior ann an tomhas ro-mhor mu lusan ’s mu gach creuthair cruthaichte a mach o’ dhuine, gu bheil, “Am mac mar an t-athair.” Tha gach Garadair ’s gach Tuathanach a’ saoithreachadh anns a’ chreidimh so, agus tha toradh an saothrach a’ dearbhadh firinn an creidimh. Bhiodh e coltach gu leoir gu’m biodh an lagh a’ riaghladh na bu teinne thairis air gach creutair mar a b’ilse a staid anns a’ chruthachadh. Ma tha e fior gur iad na tri cumhachdan a dh’ ainmich mi a tha sonruchadh cor gach ni anns a’ bheil beatha: tha e so-thuigsinn nach ionann neart do gach cumhachd fa leth thairis air cor gach gne chreutair. Mar is isle staid gach creutair ’s ann is lugha ’s is laige a chomasan; oir ’s e meud ’us neart a chomasan a tha ’sonruchadh airde no isle a staid. Cha ’n ’eil mar so dithis de na cumhachdan a dh’ ainmich mi ag oibreachadh cho tric no cho comasach ann am beatha a [TD 403] [Vol. 4. No. 51. p. 3] chreutair ’s a tha iad am beatha an duine. Cha ’n ’eil a chumhachd fein no cumhachd an t-saoghail a’ sonruchadh beatha an ainmhidh is airde staid—a shonais no thruaighe—mar tha iad a’ sonruchadh beatha an duine is diblidh ’n ar measg. Cha ’n ’eil an Saoghal (agus leis an t-saoghal tha mi ’ciallachadh gach ni tha buntainn ris o bhreith gu blàs) a’ caisleachadh a’ chreutair air cho iomadh doigh ’s a tha e ’caisleachadh an duine. Do bhrigh nach ’eil e fein a’ dol an coinneamh an t-saoghail cho tric no cho dian ’s a tha ’n duine, cha ’n ’eil an saoghal ’g a choinneachadh air cho liutha bealach. Ann am beatha a’ chreutair an coimeas ri beatha an duine, tha ’chairdean ’s a naimhdean na’s comharraichte, tha iarrtasan na’s cinntiche, ’fheuman na’s lugha—a dh-aon fhocal tha ’inntinn na’s cuinge agus mar sin tha ’n saoghal agus e fein dhasan na’s lugha ’s na’s laige. Ach bhiodh e mealltach a radh mu’n chreutair nach eil cumhachd idir aige fein ’s gu h-araid aig an t-saoghal thairis air a bheatha. Mu na h-ainmhidhean is airde comasan, cha ruigear a leas dearbhadh a thoirt seachad aon chuid air a’ ghleustachd a tha iad a’ cleachdadh a chum sonas a shealbhachadh ’us truaighe a sheachnadh, no air gach iomadh doigh anns a’ bheil an saoghal—na siontan—creutairean eile—pailteas ’us gainne lòin—a’ sonruchadh an neart, an dreach, ’s an aireamh, anns gach tir. Tha so soilleir do gach neach a sheallas mu’n cuairt da ’n a dhuthaich fein, no ’leughas mu eachdraidh ainmhidhean an duthchannaibh eile. Agus tha na ceart chumhachdan a’ riaghladh, ’n an staid fein, beatha nan creutairean is diblidh ’s nan lus. Ma leughas sinn oibre nan daoine a rannsaich gu geur gne ’us doigh nan lus ’s nan creutairean is isle bith, chi sinn nach ’eil ni is cinntiche na so, gu bheil anns gach staid na comasan is feumaile ’chum beatha ’chumail suas air an neartachadh ’s air an aiseag ’n an neart do’n t-sliochd. Anns an stri mhoir gu bhi beo, tha e for, air aghlaidh a’ chruthachaidh anns gach ceum, gu bheil d’fheum a’ sonruchadh do neart; agus cha ’n e ’n duine a mhain, ach gach bith, a dh’ fhaodas a radh, “Ciod e nach toir neach air son a bheatha.” “Sguiridh mi g’am phianadh, o’n thug mi ’n aire, Gur e ’n duine diomhain is faide ’mhaireas,” arsa Donnachadh Ban. Cha ’n ’eil do theagasg fior, a Dhonnachaidh. Na ’n tugadh tu ’n aire na b’ fhearr, chitheadh tu ann am beatha an duine ’s a chreutair gu’n teid Neart thar Ceart; ’s gur e lagh nadurra beatha an talmhainn, “A’ bheist is mo ag itheadh na beist is lugha ’sa’ bheist is lugha ’deanamh mar a dh’fhaodas i.” Tha’n lagh “Am mac mar an t-athair” ann am beatha ’chreutair fiora mhain ann an comh-bhoinn ris an lagh so eile;—gu bheil na buaidhean ’s na comasan a tha feumail do’n chreutair air an tarruing a mach, air an neartachadh, ’s air an aiseag d’a shliochd, gu bhi rìs air an cothromachadh ri feum na cloinne, ’s gu bhi leis gach atharrachadh a nithear orra air an giulan air an aghaidh o ghinealach gu ginealach re nan linntean. Ach seallamaid air riaghladh an lagha ann am beatha an duine. Do bhrigh gu bheil iarrtasan an duine na’s lionmhoire, ’inntinn da’s farsuinge, agus gu h-araid a thoil na’s neartmhoire, cha ’n ’eil e cho farasda a dhearbhadh an cuibhrionn d’a ghne-beatha a tha ’n crochadh ri lagh seach lagh; ach air an laimh eile tha fein-fhaireachduin ’us fein-fhiosrachadh againn air iarrtasan ’us smuaintean an duine, tha eachdraidh’ againn àir iomadh teaghlach de’n Chinne-daonna an iomadh linn, ’s air aon teaghlach an iomadh aite; agus tha so a’ toirt cuideachadh mor dhuinn gu bhi ’fuasgladh na ceist,—ciod e cho fior ’s a tha ’n Sean-fhocal am beatha an duine? A thuilleadh air so cha mhor aitean anns a’ bheil e cho farasda eisempleir fhaotainn air oibreachadh an lagha ris an rioghachd so. ’S gann a gheibhear ann an eachdraidh, tha mi meas, dà shluagh cho fada an taice a cheile ri Gaidheil ’s Goill Albainn a ghleidh cho dealaichte an aghaidh gach cothrom ’s gach aobhar gu aonadh. Tha mile bliadhna ’us corr o’n a thuinich Goill an Albainn; tha os cionn ceud bliadhna o’n a tha sith choimhlionta eadar an da shluagh: tha ’n rioghachd fo’n aon lagh, de’n aon aidmheil; tha moran de fhearann na Gaidhealtachd an lamhan Ghall: ’s e canain nan Gall a th’ air a labhairt anns gach baile ’s aig gach feill; ach an deigh so uile tha ’n Gaidheal an diugh ’n a dhreach, ’na dhoigh, ’na chleachduin, ’n a chanain, ’n a iarrtasan, agus eadhon ’n a bheachdan dlu air bhi cho comharraichte o’n Ghall ’s a bha e an uair a chuir a cheud Sasunnach a chas air Albainn. Gun teagamh thainig iomadh atharrach air an da shluagh o’n am sin; ach tha e ’n a aobhar iongantais ann an duthaich cho beag nach do shluig an Gaidheal suas an Gall re na h-aimsir a bha ’n lamh-an-uachdar aige; agus gu sonruichte tha e ’n a aobhar iongantais nach robh an Gaidheal air a shlugadh suas leis a’ Ghall o chionn iomadh bliadhna. Feumaidh e bhi gu bheil an dealachadh eadar an da shluagh domhain agus farsuing, an uair, a dh’ aindeoin gach aobhar gu aonadh, a dh fhan iad cho fada sgarte o cheile. Tha aobhar an dealachaidh, tha mi meas, ri fhaotainn air tus ’s an stoc, ’s a ghne, no ’s an fhuil, mar their sinn; ged tha gun teagamh eachdraidh ’s beul-aithris an da shluaigh a’ neartachadh a’ phriomh-aobhair so. Tha e cleachdte ’bhi roinn a’ Chinne-daonna ’n an tri teaghlaichean,—Geal, Dubh, ’us Ruadh. Tha sinn a’ creidsinn, leis an Abstol Pòl, gur ann de ’n aon fhuil an triuir; ged tha iad ’n an dreach ’s ’n an doigh cho dealaichte o cheile ’s ged a bhiodh triuir chàraid ann o thus. Bha ’n dealachadh so riamh o’n a tha eachdraidh againn orra a reir coslais cho comharraichte ’s a tha e nis. Ge b’e air bith mar dh’ eirich no mar thoisich e, tha e dhuinne ’n a dhealachadh ’s an fhuil, cho dearbhta ris an dealachadh eadar cu-chaorach ’s cu-feidh. Agrs ma thionndaidheas sinn gus an teaghlach Gheal (o’n is ann air is eolaiche sinn) chi cinn gu bheil e ’sgaoileadh a mach ’n a Chinnich a tha o thus ar n-eolais aithnichte le comharan soilleir araon an corp ’s an inntinn o chàch a cheile. Tha daoine foghluimte ag innseadh dhuinn gu’m b’e dachaidh an stuic Gheal taobh an Iar Asia; gu’n robh a nis ’s a ris imrich mhor ’g a deanamh o’n t-sean dachaidh do chearnaibh eile; gu’n deachaidh a cheud sgaoth an Ear far am faighear anns na h-Innsibh iad fein ’s an Sean Chanaib (Sanscrit) gus an la diugh; gu’n do ghabh an ath sgaoth (na Gaidheil) an Iar roimh Asia ’s roimh thaobh deas na h-Eorpa; gu’n do lean car dlu air sáil nan Gaidheal ’s a’ gleidheadh an aon rathaid na Greugaich ’s (Air a leantuinn air Taobh 6.) Am bùrn a bhios ’s a’ bhràighe, bidh pairt dheth ’san inbhar. Aithnichidh an cat an uair a gheibh bean an taighe gràs. [TD 404] [Vol. 4. No. 51. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 27, 1896. Tha a Phàrlamaid ùr a nis air a taghadh, agus tha an taobh a’s treise aig na Liberals. Cha ’n urrainnear a radh le cinnt cia lion a th’aca bharrachd air a’ Phàirtidh eile, ach tha an àireamh thairis air deich air fhichead. Thagh na mòr-roinnean fir-pharlamaid mar a leanas,— MOR-ROINN CONSERVATIVES LIBERALS Nova Scotia 11 9 New Brunswick 8 6 Eilean P. I. 3 2 Cuibeic 16 49 Ontario 39 45 Manitoba 4 2 British Columbia 4 2 A bharrachd orra so, tha sianar air an taghadh nach eil air taobh. Faodaidh e bhith nach eil cuid de na h-àireamhan ceart, ach tha iad cho faisg air ’sa ’s urrainn dhuinn a dhol aig an àm so. Tha a phàrlamaid ri bhi cruinn air an 16 latha de Iulaidh. Tha na Liberals air an cur a stigh a nise ’n deigh dhaibh a bhi mach fad ochd bliadhn’ deug. Tha na fiosan mu dheireadh a thainig a Ruisia ag innse gu robh mu dha mhile ’s coig ceud air am marbhadh air còmhnard Chodynsky, aig am crùnaidh an t-Sair. Dh’ òrduich an Sar gu’m biodh a chùis air arannsachadh gus am faighte mach co aige bha choire, ach air dha thuigsinn gu ’m biodh aireamh dhe na h-ard-uaislean air am faotainn coireach, chuir e stad air an rannsachadh. Tha lagh agus ceartas Ruisia gu h-iomlan an laimh an t-Sair. Na Chunna mi ’s ’na Chuala mi. LE CATO. (Air a leantuinn.) Am measg gach ni a chunna ’sa chuala mi cha robh aon ni a b’ fhearr a chòrd rium na bhi cluinntinn na Gàilig, gu h-àraid am measg na h-òigridh. ’N uair a bhios duine air falbh o dhachaidh féin ’sa chluinneas e fuaim binn na Gailìg, ’s ann a shaoileas e gu’m bu chòir dha a mhathair sa dhlùth chàirdean fhaicinn; tha leithid a bhuaidh ghràdhach aice thairis air inntinn duìne. Tha e ’na ni muladach gu bheil e fior mu iomadh aon gu bheil nàire orra air son an cuid Gáilig, agus gu’m bi iad air uairean ’ga h-àicheadh. Their cuid gur ann o ’n bhòsd a tha so a’ tighinn, ach ’se mo bharail fhéin gu bheil am bòsd ’na ainm tuilleadh us uasal do chion-an-tuir. Ach cha ’n eil math a bhi bruidhinn riutha, mur dean thu orra mar a rinn an t-Eirionnach air na cuileanan. Fhuair e aon latha tri no ceithir de chuileanan òga anns an t-sabhal. Air dha beachdachadh orra, fhuair e gu robh iad gun sùilean, agus ’s ann a shaoil leis gu’m bu chreutairean mi-nàdurra a bh’ annta, ’s chuir e as daibh ri ceann an t-sabhail. An la ’r na mhàireach, bha e dol seachad ’s chunnaic e gu robh an sùilean fosgailte. “Na creutairean bochd,” ars esan, “b’ fheudar an eanchainn a chur asda air son sùilean a thoirt dhaibh.” Dh’ fheumte ’n cleas ceudna dheanamh air Gàidheil Ghallda an latha ’n diugh mu’n tigeadh iad gu bhi ’g am faicinn féin mar a tha feadhain eile ’g am faicinn. Ach is daoine tùrail a tha fuireach aig an Amhuinn a Tuath, agus cha’n iarrainn dearbhadh a b’ fhearr air sin na fhaicinn cho dileas ’sa tha iad do chainnt an sinnsir. ’N uair bhios iad a bruidhinn Gàilig, saoilidh tu gur ann air Gàidhealtachd na h-Alba a tha thu, agus ’nuair a bhios iad a bruidhinn Beurla, saoilidh tu gur ann an Lunnainn no am baile New York a tha thu. Cha’n eil iad dhe’n fheadhainn sin a bhios a’ murt na Gàilig ’s a’ marbhadh na Beurla. Am fear a bhios carrach ’s a’ bhaile so, bidh e carrach ’s a’ bhail ud thall. Am fear a bhios fada gun éirigh, bidh e ’na leum fad an latha. STOR UR TAILLEARACHD. ri bhi air a fosgladh air an 10 la, ann an STOR W. E. PETERS. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MAC COINNICH & CO. Sidni, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, - - C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 405] [Vol. 4. No. 51. p. 5] NAIDHEACHDAN Thainig bàs aithghearr air fear Uilleam Watterman faisg air Beinn Stiùbhairt air an 17mh latha dhe’n mhios. Bha e falbh an rathaid le lòd de chraicinn chaorach, agus thuit eas a charbad fo na cuibhlichean. Bha e marbh ’nuair a chaidh a thogail. B’ àbhaist laigsichean a bhi tigh’n air o chionn ghoirid, agus thatar a’ deanamh a mach gu’m b’e sin a dh’ aobharaich a bhàs. Oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, bha coinneamh aig na Conservatives ann an Toronto, agus beagan mus robh i air a fosgladh, thuit Iain Beverly Robinson, a bha àireamh bhliadhnaichean ’na Riaghladair air Ontario, marbh. Chaidh a chorp a ghiùlan a mach gun fhios do’n t-sluagh agus chaidh a choinneamh air adhart mar mach biodh dad cearr. Bha e tri fichead bliadhana ’sa sia deug a dh’aois. Thachair sgiorradh muladach ann am Mèinn Chaledonia feasgar Di-luain. Bha duin òg do’m b’ ainm Ailein Feargastan, a mhuinntir New Boston, ag obair air lionadh thubaichean le gual, agus thuit cnap mor guail air, ’ga bhualadh ’san aodann ’s ga phrannadh cho dona ’s nach robh e beò ach beagan mhionaidean. ’S e so a’ cheud sgiorradh dhe’n t-seòrsa a thachair ’sa mhèinn ud o’n chaidh a fosghadh. Bha ’n Circus anns a’ bhaile Di-luain, agus bha sluagh mor ’ga choimhead. Bha mu shia mile ag amharc air an deigh mheadhon latha, agus mu chòig mile air an oidhche. ’Sa mhaduinn chuir muinntir an t-circuis cuairt air na sràidean le ’n cuid each us charbadan, agus b’ eireachdail an sealladh iad. Dh’ fhalbh iad mu aon uair deug ’san oidhche. Cha robh iad ’sa bhaile uile gu leir ach gann da fhichead uaìr ’sa h-ochd. Bha soitheach-cogaidh Frangach us soitheach-cogaidh Breatunnach a stigh air an t-seachdain so. Dh’ fhalbh an soitheach Breatunnach feasgar Di-ciaduinn; tha ’n soitheach Frangach a stigh fhathast. Bha seòladairean an t-soithich Bhreatunnaich a’ dol troimh chluich an airm air Rudha nam Barracks ’sa mhaduin mu’n d’ fhalbh iad. Chaidh fear dhiubh a leònadh gu dona le tuiteam air a bhéigleid, agus b’ fheudar a ghiùlan air bòrd. La an Taghaidh, Di-màirt s’a chaidh, bha Sir Tearlach Tupper agus Eachun F. Dughlach air an cur a stigh mar luchd-pàrlamaid an siorrachd Cheap Breatunn; an Doctair Peutan ann an siorrachd Victoria; an Dotair Mac-Gillfhinnein ann an siorrachd Inbhirnis agus Mr. Gillios ann an siorrachd Richmond. Bha D. C. Friseal air chur a stigh ann an siorrachd Ghuysboro; C. Mac-Isaic ann an siorrachd Antigonish, agus Sir Tearlach H. Tupper agus M. Bell aun an siorrachd Phictou. Faodaidh sinn anns an ath àireamh iomradh na’s fhaide agus na’s fhearr a thoirt air mar chaidh an latha, oir an uair sin bidh fhios na’s fhearr air mar a tha. Tha ’n carbad-iaruinn a nise ’ruith air àm-chlar ùr, a’ fàgail Shidni aig coig mionaidean gu aon uair feasgar, agus a tilleadh aig deich mionaidean an deigh naoidh ’san oidhche. Thòisich e air ruith mar sin Di-luain. Di-luain s’a tighinn tòisichidh an carbad air ruith eadar Sidni us Louisburg da uair ’san latha. Cha robh e ruith fad a gheamhraidh ’s gu ruige so ach aon uair ’san latha, a tighinn a stigh ’sa mhaduinn, ’sa dol a mach feasgar. Leis an àireamh so tha ’n ceathramh Leabhar dhe’n MHAC-TALLA criochnaichte, agus tha sinn ag iarraidh taing a thoirt dhaibhsan a bha gu dileas ’ga chuideachadh re nam bliadhnaichean sin a chaidh seachad. Tha fhios againn nach robh e cho math ’sa ghabhadh e deanamh, gu robh mearachdan ann, gu robh nithean ann air uairean a b’ fheaarle cuid de ’n luchd-leughaidh a bhi as, agus nithean eile as a b’ fhearr leotha bhi ann, agus am rud a chòrdadh ris an darna duine nach còrdaidh e ris an duin eile. Ach tha sinn an dòchas, agus tha sinn a’ creidsinn an aghaidh sin uile, gu robh ar leughadairean uile a gabhail tlachd ann a bhi ’ga fhaotainn o sheachdain gu seachdain, agus a faotainn sgeòil uaithe ’nan cainnt bhinn bhlasda, fhéin. Tha MAC-TALLA nise ri bhi air a mheudachadh, agus tha sinn a’ cur romhainn ar n-uile dhichioll a dheanamh air paipear matha dheanamh dheth; paipear a bhios a’ toirt anns gach àireamh cùnntas aithghearr air gluasad an t-saoghail, air cor nan Gàidheal, agus moran de nithean eile, nuadh us sean, nach ruigear a leas ainmeachadh. Agus am feadh ’sa tha sinn a toirt taing dhaibhsan a bha ’gar cuideachadh “le ’m pinn ’s le ’n sporain,” air son na rinn iad, tha sinn an dòchas nach eil iad ach a’ tòiseachadh, agus gu ’m bi soirbheachadh leis a MHAC-TALLA air a bhliadhna tha roimhe a nochdas an soilleir nach eil a Gháilig idir a’ faotainn a bhàis, ach gu bheil i cho beò ’sa bha i riamh. Chaidh an Drummond Castle, soitheach mor Breatunnach a bha air a turus eadar Cape Town, an Africa, us Lunnainn, chur dh’ an ghrunnd faisg air an Fhraing, a sheachdain gus an Di-mairt s’a chaidh, le bualadh air creig. Bha eadar sgioba ’s luchd turuis còrr us seachd fichead duine air bòrd, agus cha deachaidh bhar triùir no cheathrar a thearnadh. Bha soitheach-cogaidh Breatunnach faisg air an aite anns an do bhuail i, ach chaidh i fodha cho luath ’s nach d’ fhuaireadh cuideachadh sam bith a dheanamh leotha san a bh’ air bòrd. Cha robh ach mu thri mionaidean eadar i bhualadh air a chreig ’s i dhol fodha. Chualas an glaodh a rinn iadsan a bh’ air bòrd nuair a bhuail i le luchd-aitich eilean Molene, ach cha d’ fhuair iad ùine air a dhol ’gan cuideachadh. IUN, 1896. 1 Di-luain. Blar Dhrum clog 1679. 2 Di-màirt. (3) Breith T. àig ’Ic Leòid,’12 3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768 4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad. 5 Di-haoine 6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329. 7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid. 8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696. 9 Di-màirt. An Fheill Chaluim. 10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile. 11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29. mad. 12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488. 13 Di-sathairne 14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid. 15 Di-luain. Breith Dhomhnuill ’IcCoinich 1783 16 Di-màirt 17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689. 18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815. 19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad 20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain. 21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid. 22 Di-luain. (21) La a’s fhaide ’sa bhliadhna 23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861 24 Di-ciaduin. An fheill Eathain. 25 Dior-daoin. Blar Allt a’ Bhonnaich, 1314. 26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad. 27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857. 28 DI-DONAICH. IV Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil. 30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1635 Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25 Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. MacCOINNICH & CO. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96 [TD 406] [Vol. 4. No. 51. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) na Romanaich; gu’ n d’ thainig a ris na Goill (no na Teutonaich) an Iar a’ gleidheadh na b’ fhaide Tuath; agus fa dheireadh gu’n d’ thainig na Sclabhonaich a thuinich ’an Ear-thuath na h-Eorpa ’s ’an Iar-thuath Asia. Abair gur e ’n teaghlach Geal an lamh; agus gheibh thu anns na cuig Cinnich a dh’ ainmich mi na cuig meoir a’ cinntinn o’n laimh ’s a’ comhdachadh na h-Eorpa ’s taobh Tuath ’s an Iar Asia. Tha ’n dealachadh eadar na meoir ann an corp ’s an inntinn cho maith ’s an canain ro chomharraichte. Gun teagamh rinn siontan an athair am priomh-dhealachadh ann an dreach a’ chuirp a mheudachadh, agus rinn eachdraidh ’us beul-aithris ’us foghlum nan sluagh fa leth (a thuilleadh air cumhachd buaidhean a chuirp) ceud-fàithean na h-inntinn a shonruchadh anns gach teaghlach, ’s an canainean atharrachadh mar bha tìm a’ ruith; ach mu ’n d’ fhuair sinne eachdraidh orra bha iad dealaichte ’n am fuil ’s ’n an canain. Rugadh leis an aon Mhathair, ma ta, an cuignear mhac so, agus dh’ araicheadh iad, aon an deigh aon, air comhnardaibh Asia. An uair a bha iad fa seach air fas laidir gu leoir gu bhi ’cothacthadh air an son fein, s’ ro lionmhor gu bhi tuineachadh mu’n t-sean dachaidh, ghabh iad an domhan m’an ceann; sgaoil iad gach leth ’s gach taobh, gach aon a dheanamh air a shon féin, a giulan air falbh d’an dachaidhean ùra ’n an cuirp, ’n an inntinnean, ’s ’n an canainean, dearbhadh maireannach air an dàimh d’a cheile. Is cuimhne leat an uair a tha Burns a’ moladh sgeimh na mnà os cionn an fhir, mar tha e ’toirt air Mathair nan Uile a bhi feuchainn a laimhe an toiseach air cruthachadh an fhir, agus an uair ’tha i iunnsaichte, tha i ’gabhail os laimh bean a dheanamh: “Her prentice hand she tried on man, Ann then she made the lasses O!” Ann an tiunndadh a mach nam pobull, nach feud sinn a radh, ann an cainnt cosmhuil ri cainnt a’ Bhaird, gu’n do chuir ar Sean Mhathair a stigh a h-ùine a’ deanamh an Stuic Dhuibh ’us Ruaidh; agus gu’n robh a’ cheird air a laimh mu’n d’ fheuch i ris an teaghlach Gheal. Agus a thuilleadh air so, nach biodh e farasda ’shaoilsinn an uair a bha i fein òg—a h-aignidhean bla, ’s a sgeimh grinn, gu’n cuireadh i barrachd luach air cumadh ’s air snas na ’chuireadh i air neart ’s air saoibhreas. Ann am fuineadh nan sluagh, nach saoil sinn gu’m b’e a miann ’s a cheud aite an t-suil a thoileachadh; ach an uair tha a h-aois a’ rùith, an uair tha fuil a’ fuarachadh ’s a falt a’ liathadh, an uair tha a h-eolas air feum an t-saoghail a’ dol am meud, an uair tha fein-fhiosrachadh aice air luach neart a bhi ’s a’ chridhe ’us smior ’s a’ chnaimh bhiodh e coltach gu’n cuireadh i barrachd meas air neart na chuireadh i air maise, cuirp ’us inntinn, Ma dh’ fhaodte gu’n abrar nach eil an so ach faoin-bheachd duine dhiomhain; ’s nach eil bun na barr aige an reusan na ’n eachdraidh. Ach ’s e mo bharail na’n gabhteadh dragh ’us uine gu leoir, gu’m faighteadh an canain ’s an eachdraidh nan teaghlach fa leth dearbhadh laidir gur e cumadh ’us snas am feart a tha buadhachadh ’s na teaghlaichean is sine, ’s gur e bûchd ’us cudthrom a tha ’comharrachadh a mach nan teaghlaichean is oige. Agus saoilidh mi nach ’eil aon de’n chuignear a thug dearbhadh ’n an corp, ’n an nadur, ’s ’n an canain, an da chuid air mnise ’s air neart ann an dlu cho-chordàdh mar a thug na Greugaich ’s na Romanaich, a tha seasamh ann am meadhon na sreath le dà theaghlach air gach laimh dhiu. Bha na ceud mhic fa leth ainmeil an eachdraidh agus tha sinn an dochas gu’m bi fathast; ach cha ’n ’eil teagamh ’n ar latha-ne nach e ’n ceathramh mac—an Gall—aig a bheil an t-aite toisich ann an riaghladh an domhain. Cia cho fada ’s a bhitheas a chuis mar so, cha ’n fhios duinn; no co de’n cheathrar a gheibh aite ma chailleas e fein e. O chionn iomadh bliadhna ’s e an Gaidheal is faisge a thig air ann am fior chumhachd; ach a reir cursa eachdraidh an t-saoghail gu ruig so, cha ’n e an dara mac ach an cuigeamh a ni an ath stri mhor airson uachdranachd an domhain. Tha ’n Sclabhonach fathast mar gu’m b’ann ’n a chodal; ach co their c’ uin a thig an gaisgeach a gheibh a mach ciod e ’s dusgadh do’n oganach? Nach tugadh cuairt na h-eachdraidh oirnn a chreid sinn gu bheil a latha fein a’ feitheamh airsan, anns am bi aige r’a dhearbhadh do na sloigh an airidh e air aite urramach ’n am measg? Agus an uair a thig an latha so, ’s a theid e seachad; an uair a gheibh an cuignear bhraithrean gach aon a threis fein air Righ-chathair an t-saoghail;—nach cinnteach gu’m feudar an dochas altrum gu’n sguir na pobuill a’ chasgradh ’s a’ leadairt a cheile, ’s gu’m bi iad a’ stri a mhain airson Gliocais, Eolais, ’us Deadh-bheus? Nach tig an sin ’n a lanachd “Linn an Aigh”—Linn na Sith—an Linn mu’n do sheinn na Baird; mu’n do reusonaich ná Daoine glice; a chunnaic na Faidhean fada roimh laimh; a bheothaich tograidhean ’s a neartaich misneach nan Ionraic anns gach linn ri am trioblaid ’us amhghair; ’s a bheir freagradh do gach eubh ghoirt ’s do gach urnuigh dhurachdach a rainig na neamhan air son sith o thoiseach an t-saoghail? Gheibhear anns gach teaghlach dhiu so comharan aithnichte air nach gabh mineachadh cubhaidh toirt ach beachd ar n-athraichean gu bheil iad a’ ruith ’s an fhuil. B’e bunait creidimh nan sean daoine am fiosrachadh air riaghladh an lagha am measg an luchd-eolais. Ach cha ’n fhairichear fior neart an lagha mar so. Cho fad ’s a chumas tu do shuil air daoine fa leth, tha ’n dealachadh na ’s mo na ’n samhladh eadar duine ’s duine ga d’ bhualadh. Is an a mhain an uair a sheallas tu air rioghachdan ’s air cinnich a chi thu ann an eachdraidh an duine an Iomadachd ann an Aonachd a tha toirt Maise ’us Co-chordadh do oibre a’ Chruthachaid anns gach cearn. Tha ’n Seanfhocal fior, ma ta, ann an tomhas ro chudthromach mu thimchioll an duine, araon ’n a chorp agus ’n a inntinn; ach cha lorgaich sinn cumhachd nam parantan ann an inntinn na cloinne cho dlu ’s a lorgaicheas sinn e anns a’ chorp. ’S e ’s aobhar dha so, tha mi meas, gu bheil an da chumhachd eile a ’dh ainmich mi—an Saoghal agus E fein—a’ riaghladh buaidhean na h inntinn na’s teinne na tha iad a’ riaghladh buill a’ chuirp. Tha, gun amhurus, siontan, lòn, eideadh, ’us cleachduin ann an tomhas mor a’ sonruchadh dreach ’us neart a’ chuirp; ach tha laghannan, canainean, teagasgan, beachdan, ’us aidmheilean ann an tomhas moran na ’s mo a’ riaghladh buaidhean na h-inntinn. “Theid duthchas an aghaidh nan creag;” ach anns an dìreadh chas tha ’n greim na ’s cinnitiche ’s an ceum na ’s seasmhaiche anns na creagan feolmhor na tha iad ’s na creagan spioradail. Tha e duilich inntinn sluaigh a thionndadh; ach tha e eu-comasach do ’n Etiopianach a chraic- [TD 407] [Vol. 4. No. 51. p. 7] eann a mhuthadh, no do’n Leopard a bhrice atharrachadh. Is ann am beatha an duine a mhain a tha E fein ’n a chumhachd laidir gu bhi sonruchadh a staid. Air thalamh ’s ann aige-san a mhain a their sinn a tha Toil. Ciod e gne na feart a tha so, cha’n fhios duin; cha ’n aithne dhuinn co bhuaithe tha i ’g eirigh, no ciamar tha i fas; ach tha gach aon againn fein-fhiosrach gur Cumhachd i leis a’ bheil comas againn air roghainn a dheanamh. Cha ’n uraainn thu oirleach a chur ri d’ airde fein: ach ’s urrainn thu maith a roghnachadh ’s olc a sheachnadh; agus do bhrigh so tha e so thuigsin dhuit gu’m feum thu cunntas a thoirt do d’ Cho-chreutair ’s do d’ Chruith-fhear “mu d’ ghriomharan anns a’ choluinn co-dhiu tha iad maith na olc.” Anns a’ cheum is cudthromaiche ’s is soluimte d’ ar beatha, ceum ar dleasdanais, ’s ann is laig cumhachd an t-Sean-fhocail. Gun teagamh tha e fior, “dhasan d’an toirear moran, gu’n iarrar moran uaith;” ach cha ’n e neart do chuirp no doimhneachd d’inntinn a shonruicheas chrioch do dhleasdanais do d’ Cho-chreutair no do d’ Chruith-fhear, ach am feum a ni thu dhiu. A reir na buil gus an cuir thu na comasàn a bhuineas duit, seasaidh to no tuitidh tu. Feudaidh “na daoine o’n d’thainig thu” farsuingeachd d’inntinn ’us cudthrom do chnamh a shonruchadh; ach cha choisinn Ion’racas do Shinnsearan Sonas dhuit, cha shaor Euceartan d’ Aithrichean o Thruaighe thu. Aig Cathair-breitheanais, air Neamh no air Talamh, cha n fhaigh “Bu dual da sin” eisdeachd. D. M‘K. Ann am Burmah ’s iad na mnathan a bhios ris an t-suiridhe. Si a’ bhean a dh’ fhalbhas a dh’ iarraidh duine, agus an deigh dhi a phòsadh, mur còrd e rithe, bheir i litir-dhealachaidh dha, agus theid an tòir air fear eile. Ann an Iapan, tha e ’na chleachdadh aig an luchd-obrach sgriobhadh a bhi ’n crochadh air an druim ag innse ciod is ceaird dhaibh, agus co aige tha iad ag obair. Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith orr taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Caradh Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON. Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. math ar duthcha tha ’nar beachd Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - C. B [TD 408] [Vol. 4. No. 51. p. 8] EILIDH CHAMARON. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. Bha am Bàrd, aig an àm a rinn e an t-òran ciatach so, a’ fuireach ann an tigh a’ Bhàillidh Chamaroin ann an Coir’-uanain. Air madainn latha na bliadhn’-ùire chuir a h-athair a stigh Eilidh, agus i ’n a caileig òig, do sheòmar a’ Bhàird, le botul ’n a laimh, a thoirt dà a Challainne. An uair a dh’ éirich am “filidh barraichte,” agus a thàinig e stigh thun a’ bhùird còmhladh ri muinntir àn tighe, thog e Eilidh bheag, bhòidheach air a ghlùn a’s sheinn e an t-òran so an lathair na cuideachd. FONN.— Air fàill ill ò na hùg oirionn ò Air fàill ill ò na hug oirionn ò, Air fàill ill éile na hiùrabh ho-rò, Gaol nan cailin, ’s gur a tù i. Maighdean ùr nan dlùth-chiabh fainneach, Eilidh Chamaron, nighean a’ Bhàillidh; Binn mar théud na fìdhl’ a gàire— Chiad là ’n bhliadhna diolam dán d’ i. Tha mo ghaol air do chùl dualach, ’S do bheul meachair dh’ fhàs gun ghruamain; Na ’n ruigeadh do cheann mo ghuallainn, Dhianainn strìth m’ an leiginn bhuam thu. Bu tù n’t sòbhrach geal-bhuidhe, ghreannar, Dh’ fhàs a suas mu bhruaich nan alltan, Neònein ùr nan lòintean gleannor, Réul air dhreach na maidne samhraidh. ’Seang-chorp sùnndach, aotrom fallain; Craicionn sneachd mar chneas na h-eala; Miann gach stàid’ is àird’ air thalamh, Bhi ’n caoimhneas-gràidh do dhà shùil mheallahh. Deud geal ibhridh, dìonach, snaidhte, ’S bòidhche fiamh na sgiamh na eailce; Bialan siùcair—òigh na maise! ’S binne ’ceòl na smeòrach mhaidne. Mar phéucaig chiataich fiamh do mhala; Dà shuil ghorm fo chaol-rosg tana; Làn do shùl mar dhruchda meala— Dhianadh do rùn an diùc a mhealladh. Eilidh Chamaron, ’s tù tha bòidheach, ’S do dhà ghruaidh cho dearg ’s na ròsan: Pòg mar shiùcar—rùn gach oigeir; ’S gile do chneas na sneachd nam mòrbheann. Sud mi dhùrachd dhut gu toileìl, Am meas, ’s am mùirn, an cliù, ’s an onair; Buaidh do d’ shliochd, ’s mo shliochd-s’ an con-àgh, Mar choill ùir a’ brùchdadh toraidh! ’S lionmhor buaidh a fhuair an ainnir Bho ’n chiad là ghluais i ’n tùs air thalamh. Am mìle trian cha dianainn ’aithris, Ged bu leam na ciada teanga! Am fear a bheir an car as an t-sionnach, feumaidh e eirigh moch. LAOIDH. Ciuinich mi, Dhé, is cum mi ciùin, Feadh mhaireas teas na gaoith; Bi dhomh gu fionnar mar tha ’n drùchd Do dh’ fhiabhrus dian an t-saogh’l Ciùinich mi, Dhé, is cum mi ciùin, ’S mo cheann air uchd do ghràidh, Le d’ laoidh ’s le d’ shalm ga m’ thàladh dlùth, Is thoir do ’m spiorad tàmh. Ciùinich mi, Dhé, is cum mi ciùin; Do sgiath biodh os ar cinn, Mar bha aig Elim barrach dùmh’l An tobair chùbhraidh, ghrinn. Seadh, cum mi ciùin, ge cruaidh an fhuaim Ruigeas mo chluas ’s gach àit’; Ciùin ’s mi leam fhéin, gun neach mu ’n cuairt, Ciùin am measg fuaim na sràid. Ciùin ’n uair tha néul na slàint’ am ghruaidh, Ciùin ann an iargain sheirbh, Ciùin ann an sògh no ’m bochdainn chruaidh Ciùin ann am chall ’s am thairbh’. Ciùin ann am fulang péin is gruaim, Mar bha m’ Fhear-saoraidh caomh; Ciùin ann an tàir ’s an spìd o shluagh Le ’m fuathach d’ ainm ro naomh. Ciùin mar an réul no ’n grian-ghath ùr, Air cùl nan doinionn mòr’ Triallam gu réidh troimh strìth nan dù Gu caladh ciùin an Glòir. Am fear a bheir, is e a gheibh. Am fear a bheir bean à ìfrinn, bheir i rithist ann e. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a’ chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu RHODES & GANNON, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, - - - C. B