[TD 1] [Vol. 3. No. 1. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 7, 1894. No. 1. Eachdraidh Bhartimeuis. Aig deireadh mios meadhonach an t-samhraidh ’sa bliadhna 1820 dh’fhàg m’ athair Cola le ochdnar d’a theaghlach maille ri moran eile gu tighinn air imrich a dh’ America. ’Sann an Tobarmhoire bha an long ris na h-eilthirich a thoirt air bòrd agus bu muladach an sealladh ’bhi faicinn chàirdean a dealachadh agus gun mhòr dhùil ri coinneachadh gu bràth. Bha la briagh ann ’nuair chaidh nu siùil a thogail agus sheòl an Dunlap of Greenock bho chommanda Iain Brown, a leigeil Tobarmhoirea cùrsa bho cheann an iar Bharra air Ceap Breatuinn ged ’sann am Pictou bha na h-eilthirich ri’n cur air tir. Bha soirbheachadh math aginn oir b’e aon latha stoirmeil a thachair oirnn fad na h-ùine. Rugadh còignear air an luing Iain Mac Gilleain, Lachinn Mac Coinnich, Ebenezer Mac Illemhaoil, Iain Mac Raing agus fear Mac Ranig agus fear Mac Nimhein agus bhuineadh iad uile do Eilean Chola. Thainig triuir dhiubh gu Ceap Breatuinn agus chaidh dithis a dh’ Eilean a Phrionnsa. Còig seachainean an deigh dhuinn seòladh, aig deich uairean air maduinn ghrianaich, thog sinn sealladh air Ceap Breatuinn. Bha soirbheas beag fabharach agus chaidh gach slat aodaich a sgaoileadh ’s an ùine ghearr sheòl i troimh Chaolas Chanso le sruth us soirbheas leatha. Bha luchd-àitich a Chaolais air gach taobh ’g ar fàilteachadh agus mu ’n d’ thainig an oidhche bha sinn aig Ceap Sheorais. An deigh sin chaidh fear-iuil a ghabhail air bòrd, thug sinn a stigh a Phictou far an deach na h-eilthirich ’s an cuid àirneis a chur air tir, agus chaidh an long suas gu Richibucto far an d’ thug i stigh luchd guithais gu thoirt air ais d’an t-sean-dùthaich. Sgaoil sin na càirdean,—chaidh cuid a dh’ Eilean a Phrionnsà, cuid a Cheap Eòin agus cuid eile ’a Cheap Breatuinn. Thuarasdalaich m’ athair agus àireamh eille long bheag le fear Aonghas Dòmhnullach (Co-Lauchie) gu ar toirt a Cheap Breatunn. Bho dh’ fhag sinn Pictou bha an aimsir fàbharach gus na ruig sinn Ceap Sheòrais far an do shéid stoirm o’n iar-thuath agus bha ’n long air a luasgadh a null agus chaidh a chuid àrd dhi a bhristeadh le ainneart na’n tonn. B’i barail na cuideachd nach tugadh i mach cala mur bhithaadh duine tapaidh a mhuinntir Bharra bha maille ruinn agus d’ am aithne gach ni a laimhseachadh. Bha iad mar thuirt Alasdair Mhac Mhaighstir Alasdair mu long Chlann-Raonuill. “Bha fear-innse nan uisgeachan a glaodhaich ri fear na stiuir, agus bha fear toirt uaip a’s dhi mar dh’ fheumadh i,” etc, agus mar sin thuair sinn sàbhailte gu Caolas Chanso far ’n do choinnich duine còir as a Rudh’ Fhada ann a Judique ruinn a chomhairlich duinn an geamhradh a chur seachad maille riu agus ghabh còig teaghlaichean ris an tairgse. Fhuair sinn mor chaoimhneas bho dhithis fhear, Siosalich agus Dòmhnullich, agus bho Shagairt an àite an t-Urr Alasdair Dòmhnullach ré a geamhradh, agus nuair thainig an samhradh thug na daoine còire dhuinn siol agus chomhairlich iad a chuir air an cuid fearann fhéin gu bhi aginn air son a’ gheamhraidh. Air do m’ athair iomradh a chluinntinn air Loch mor a Bhras d’ Oir thainig sinn agus àireamh eile maille ri fear-iuil ann am bàta beag, an deigh na curachd gu St. Peters agus tharruing sinn am bàta seachad air a Chrossing sin go ’n ruig sinn am Bras d’Or agus bu bhriagha an sealladh an loch fhaicinn an la ciùin grianach sin. Bha Taobh Deas a Bhai ’n Iar air a shuidheacheadh le sluagh a thainig roimhne, ach cha robh duine air a Bheinn a Tuath. Thainig sinn seachad air moran eileanan maiseach agus troimh Caaolas a Bhoom gu Loch Mhalagawatch—air ainmeachadh leis na h-Innseanaich agus a ciallachadh “loch lan eileanan.” B’e so ’n ceanna-bhaile aig an treubh Mic-mac agus bha an ceann-feadhna aca Iain Denny bho’n d’ fhuair Amhuinn Dhennis an an t-ainm. Bha e na dhuine treun agus caoimhneil ach gle fhiadhaich na ’n cuirte fearg air. Cha do chaill na h-Innseanaich riamh an dachaidh an so oir tha mile acair de’n fearann a’s fhearr air a chur air leth dhaibh anns a choimhearsnachd so ged nach eil moran dhiu an duigh a còmhnuidh ann. Tha Amhuinn Dhennis ruith stigh gu Loch Mhalagawatch agus ’nuair thainig sinn ’sa bliadhna 1821, cha robh duine geal a comhnuidh air. Thoisich sinn air gearradh na coille far an do rùnaich sinn suidheachadh gach neach fagus air a coimhearsnach agus an deigh sin bha sinn uile mar aon duine togail tighean bheag logichean air an tubhadh le cairt nan craobh agus còinneach air a calcaidh eadar na logichean agus maidean caola, direach air snaigheadh leis an tàl air a leagail air son ùrlar. An ceann mios chaidh sinn air ais gu Judique agus aig toiseach samhraidh 1822 thainig sinn uile agus an siol bha againn bho churachd an t-samhraidh uoimhe gu Loch Mhalagawatch go dachaidh dheanadh ann agus rinn sinn air ceud churachd mar dh’ ionnsuich sinn bho na càirdean air Judique. Cha robh feum air calaid oir cha robh beathach a chuireadh dragh air ach am mathan agus bu tric a thainig e san oidhcha ’sa chagainn e bàrr an t-sil ’nuair bhitheadh e air an roan agus a’n deigh na buana bha sinn a’ faighinn trioblaid leis na feòragan* a bhitheadh a’ goid an t-sil as na saibhlean agus ’ga chur seachad air son a gheamhraidh. (Ri leantuinn.) *Squirrels. [TD 2] [Vol. 3. No. 1. p. 2] BLAR ALLT A’ BHONNAICH. B’ IAD Sir Tomas Randolph, mac a pheathair, Morair Seumas Dùghlas, agus Sir Eideard Brus, a bhràthair féin, Seanalairean, a b’ àird’ a bh’ aig righ Raibeart os ceann na h-armailt, agus fodha féin. Chum e obair riu eadar a sea ’s a seachd a bhliadhnachan na bha chaistealan ’s an rioghachd a spìonadh a’ làmhaibh nan Sasunnach ann. B’ e sin an aon daingneach a bha nis aig an nàmhaid ’an Alba, agus chuir Sir Eideard Brus séisd theann rithe mu ’n cuairt, gun ni no neach a leigeadh a mach no steach. ’N uair a chunnaic Sir Philip Moubraigh, an comanndair Sasunnach, gu’n robh gach biadh ’us dibh a’ fàs gann, ’s nach b’ urrainn e cumail a mach fada, thairg e do Eideard Brus an daingneach a libhrigeadh thairis dha, mur cuireadh rìgh Shasuinn còmhnadh thuige roimh leth an t-samhraidh. Ghabh Eìdeard Brus ris an tairgse sin, ’s leig e le Sir Philip a dhol gu ruig Lunuinn a dh’ innseadh so uile do’n righ. Ach chuir righ Raibeart fios gu ’bhràthair, gu’n do rinn e ro amaideach leis a’ chothrom ’s an ùin’ ud a thoirt do righ Shasuinn, a bha co cumhachdach, le Eirinn ’us móran de ’n Fhraing, a thuilleadh air Sasunn a bhi fo a thighearnas ’s gu’m b’ urrainn e roimh ’n àm ud feachd a thoirt do Alba, bhiodh ro làidir air an sonsan. “Tha chead aige,” ars’ Sir Eideard, “thigeadh righ Shasuinn leis a h-uile duine a th’ aige, cogaidh sinne riu ged a bhiodh iad ni bu lionmhoire.” Bha fios aig an righ gu’n robh ’bhràthair ’na shaighdear misneachail, ged a bha e bras, ’s leig e leis na cumhachan ud seasamh ’s chuir e fios thuig’ o ’s ann mar sud a bha gu’n seasadh iad ri blàr gu duineil, ’s air son an aobhar sin gu’n coinnicheadh na h-uil’ aig an robh saorsainn Alba mòr gu bhi deas air choinneamh an t-Sasunnaich ’n uair a thigeadh e. Thòisicheadh air ullachadh air son a’ chogaidh a nis a cheart da rìreadh, araon an Alba ’s an Sasunn. Ged a bha Eideard òg, rìgh Shasuinn, ’na dhuine slaodach, gun suim do ni sam bith ach cluich, gidheadh ’n uair a chuir Sir Philip Moubraigh f’ a chomhair staid Alb’ aig an àm, ’s mur cuireadh e còmhnadh sluaigh ’us armachd, roimh leth an t-Samhraidh, a dh’ ionnsuidh Caisteal Shruileidh, an aon daingneach làidir a bha fo ’ùgharras, gu’n robh ’n caisteal, ’s mar sin Alba gu o-iomlan, gu bhi air a liùbhairt do Raibeart Brus air a cheann là. ’N uair a chunnaic ’s a chual àrd-mhaithean Shasuinn, a bha timchioll air a’ chùirt mar a bha ’n gnothuch, cha leigeadh iad támh no fois do’n rìgh gus am falbhadh e féin do Alb’ air cheann armailt co lionmhor ’s a b’ urrainn e thogail, ’s gu’n deanadh e ’n aon diol air gach ceannairceach a bha ’s an rioghachd, ’s a b’ àbhaist d’a athair roimhe ’dheanamh. Their an leisgean tha leòmhan ’s an t-slighe. Cha robh uiread de aobhar aig leisgean riamh air a leithid de lethsgeul a’ ghabhail ’s a bh’ aig Rìgh Eideard II. ’S ann roimhe féin a bha ’n leòmhan. Ach co dhiù, b’ éigin falbh. Chaidh armailt Shasunnach, ’us Eireannach, ’us Fhrangach a thogail anns robh ceud mìle fear, eadar choisichean’ us eile, ’s thriall an righ féin a nall do Alb’ air an ceann. Bha rìgh Raibeart Brus, aig an àm cheudna ’trusadh nan Albannach ri chéile mar a b’ fhéarr a dh’ fheudadh e, agus bha ’n àireamh sluaigh a fhuair e cruinn mar nach b’ olc, ’n uair a bheirear fainear an staid ’s an robh a riaghachd, agus gu’n robh eadhon cuid de na h-Albannaich féin, thall ’s a bhos, nach robh fathast ga ’aideachadh mar an righ dligheach. Bha fios gu maith aig gach inbhe sluaigh, air Ghàeltachd co maith ’s air Ghalldachd, ciod ris am feudadh sùil a bhi aca, na ’m faigheadh righ Shasuinn cothrom ruith mar thuil thairis air an tir a rìs. Agus ’s e rùnaich, iad a tuath ’s a deas, an strìthean, ’s an cogaidhean beaga féin a leigead fa làr car greis, agus an guaillean a chur ri chéile còmhladh ris an rìgh ’an aghaidh nàmhaid coitchionn na rioghachd. Cha’n ’eil iomradh air gu’n robh uiread riamh de na Gàeil an aon Bhlàr còmhladh ris na Gaill, ’s a bh’ ann là Allt a’ Bhonnaich. Tha Seanalair Stiùbhart ag innseadh dhuinn gu’n robh na h-ochd cinnfheadhna dheug so a leanas a làthair an là ud. Mac Aoidh, Macantòisich, Mac a Phearsoin an Camshrònach, an Sincleireach, an Caimbeulach, am Mengiseach, Mac ’Illeadhain, an Sutharlanach, an Robastonach, an Granndach, am Frisealach, MacFarlain, an Rosach, MacGriogair, an Rothach, MacCoinnich agus MacCuaraidh. Agus mar tha fios gu’m biodh àireamh maith de luchd-leanmhuinn còmhladh ris gach ceann-cinnidh dhiubh sud, tha e soilleir gu’n SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich G. H. GUZZWELL, SIDNI C. B., Taillearachd. Tha ’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 3] [Vol. 3. No. 1. p. 3] robh na Gàeil a’ deanamh suas roinn nach bu bheag dearmailt na rioghachd an là ud. Ach leis gach tional a bh’ ann, á tuath ’us deas, cha bu mhò na deich mile fichead saighdear a fhuair an righ thun na h-àraich. Bha so ni bu lugha na ’n treas cuid de ’n fheachd Shasunnach. Agus cha b’e mhàin gu’n robh iad co fad air deireadh air na Sasunnaich a thaobh àireimh; ach bha iad mar sin a thaobh armachd mar an ceudna. Bha na Sasunnaich, eadar eachraidh ’us choisichean, air an armachadh co maith ri feachd ’s an Roinn Eòrp’ aig an àm ud, no ni b’ fhearr. Agus bha na fir-bhogha Shasunnach air an iunnsachadh gu foirfeachd ann an cleachdadh an cuid féin de eòlas arm. Ach a dh’ aindeoin sin uile rinn rìgh Raibeart air son ’aghaidh a chumril riu. Threòraich e ’n t-arm sios do chòmhnard a tha faisg air Sruileadh ris an abrar a’ Phàirc. ’S ann dlùth do’n Phàirc sin agus air grunnd ni b’ isle a dh’ fheumadh an t-arm Sasunnach gabhail seachad tre bhoglach ’us shruthaibh uisge. Bha mar so rogha làthraich aig na h-Albannaich. Bha làn fhios aig an righ o chuid de ’àrd-oifigearan féin, ciod an rathad ’s an t’ òrdugh ’s an robh an fheachd a’ tighinn. ’N uair a nochd iad mu dheireadh o’n Eaglais-bhric, le ’n cuid bhrataichibh ’us eile, ’s a bha ’n dùthaich uile mar gu’m b’ eadh, còmhdaichte le luchd armachd, air mharcachd ’s air choiseachd, cha robh feachd ’san Roinn-Eòrp’ an aghaidh am biodh iad a’ tighinn, nach feudadh fiamh a ghabhail. Bha rìgh Raibeart a nis an déigh an t-arm Albannach a tharruing an órdugh o dheas gu tuath, air làthraich a thaighe féin, ’s a bha fios aig a bhi ro fhàbharrach. Bha e air àireamh mòr shlochd a chladhach ré na h-oidhch, anns an talamh chòmhnard, tre ’m feumadh an eachraidh Shasunnach ruith anns a bhi ’dol a chòmhnadh na fear-bogha, agus beòil nan slochd a chòmhdach thairis a ris leis na sgrathaidh a bha e air thoirt asd’ an toiseach. Agus far nach robh slochd bha bioran geura de fhiodh cruaidh an so ’s an sud air an sàthadh ’s an talamh, ’s gu leòir ris de ’n cheann bhiorach gu each sam bith a sheasadh air aon diubh a dheanamh cuagach. Bha ceann a deas an airm a’ ruigsinn gu bruachaibh Allt a’ Bhonnaich, a tha ’n sin co creagach ’s nach b’ urrainn eachraidh sam bith ionnsuidh a thoirt orr’ air an làimh sin, ’s bha ceann tuath an airm a’ ruigsinn glè dhlù air baile Shruileidh. Bha àireamh mòr sheirbhiseach, nach robh idir fo armachd a’ leantuinn a’ chaimp; gillean cartach, co-cháirdean, ’s a leithid sin. Dh’ òrduich e ’n dream sin uile air falbh gu cùl cnuic a bha tuath air àite na h-armailt, ris an abrar “Cnoc nan gillean” o’n là sin. Bha ’n righ féin a’ marcachd air ais, ’s air aghart o cheann gu ceann de ’n arm, a’ gabhail beachd air an òrdugh ’s an robh iad, agus ag earalachadh nan saighdearan iad a bhi fearail, seasmhaah, agus a bhuaidh a thoirt a mach, no bàsachadh ’s an àraich: ag innseadh dhoibh aig an àm cheudna gu’n robh e féin rùnaicht’ air a’ bhuaidh a thoirt a mach no tuiteam air an àraich, ’s nach robh teicheadh gu bhi ann. (Ri leantuinn.) Donnchadh Dubh. Bha Donnchadh Dubh ro chomharraichte air son gach ìnnleachd a ghnàthaicheadh leis chum e fein a chuideachadh ann an còir no ’n eucoir. Cha bhiodh ni sam bith a dhìth air Donnchadh, ’nam biodh e idir far an ruigeadh a làmhan air. Là de na laithibh bha muc mhòr, reamhar aig Cailean Bán, duine bochd aig an robh bothan-tighe goirid o thigh Dhonnchaidh Dhuibh. Smuainaich Cailean gu’n robh an t-àm aige a’ mhuc a mharbhadh agus a shailleadh. Ach cò a thàinig an rathad ach Donnchadh Dubh, a bha deas gu deagh chomhairle a thoirt do Chailean mu ’n t-seòl air an ullaicheadh e gach mi mu ’n mhuic. “A nis, a Chailein,” deir Donnchadh, “cha ’n ’eil aon mu ’n cuairt duit am fad ’s am fagus, aig nach ’eil deagh-fhios gu’n do mharbh thu a’ mhuc mhòr an diugh, agus thig iad as gach ceàrn agus cùil a dh’iarraidh chriomana a dh’ fhaicinn am bheil an fheoil maith reamhar; ach ’s e so a ni thusa, Chailein, gabh a’ mhuc agus tilg ’s an allt i rè na h-òidhche. Cruaidhichidh an t-uisge fuar an fheòil, agus ni e glan i, agus freagarrach air son an t-salainn. Ma thig neach sam bith chum do thighe ’sa ’mhaduinn a dh’fhoighneachd mu ’timchioll, thoir do mhionnan gu’n do ghoideadh i, agus an sin cha bhi dùil aca ri mìr di fhaotuinn.” Rinn an duine dochd, amaideach, mar a dh’ iarradh air, agus thilig e closach na muice ’s an linne goirid o’n tigh. Thàinig Donnchadh Dubh anns an oidhche, an uair a bha Cailean bochd ’n a chadal, agus ghoid e a’ mhuc air falbh as an allt. Air an ath mhaduinn, air do Chailean ’fhaicinn mar a thachair, thug e gu grad tigh Dhonnchaidh air, agus dh’ innis e dha gu’n do ghoideadh a mhuc gu’n teagamh sam bith. “Ro cheart, ro cheart, a Chailein abair thusa sin, agus mo làmhsa nach eagal duit.” Ach, tha mi da-rìreadh, a Dhonnchaidh, gu deimhin agus gun teagamh dh’ fhalbh, a mhuc.” “Dh’ fhalbh, dh’ fhalch. ro cheart, ro cheart, dìreach abair thusa sin, a Chailein, agus cha’n eagal duit.” “Eisd rium, a Dhonnchaidh,’ agus e a’ lasadh suas le gné chorruich, “éisd rium an uair a tha mi, air m’ onair a’ cur an céill duit gu’n do ghoideadh a’ mhuc co cinnteach ris a’ bhàs.” “Sin e dìreach, a Chailein; ’s e sin a’ cheart ni a dh’ iarr mi ort; thoir thusa an còmhnuidh t’fhocal gu’n do ghoideadh a’ mhuc, agus cha chuir na coimhearsnaich dragh sam bith ort; cuimhnich sin a Chailein, agus dean do ghnothuch gu ro mhaith.” Cha deanadh e feum ’s am bith do’n duine bhochd smid tuilleadh a labhairt; dh’ fhalbh e gu bronach dhachaidh, agus ghléidh ’us dh’ ith Donnchadh Dubh a’ chreach! ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain. air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 4] [Vol. 3. No. 1. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 7, 1894. THA Seanadh nen Stàitean an deigh an Tariff Bill a chur as an lamhan ’s gu dearbh bha ’n t-àm aca. Tha iad ag obair air o chionn ùine mhor a leagail ’sa togail chìsean an diugh ’s ’g an togail ’s ’g an leagail air ais am màireach. Rinn iad milleadh mòr air malairt na dùthcha le ’n cuid slaodaireachd, ’s bidh na h-uile toilichte chluinntinn gu’n d’ thainig crioch air an obair mu dheireadh thall. LEIS an àireamh so tha MAC-TALLA tòiseachadh air bliadhn’ ùr, an treas bliadhna dhe ’bheatha. Cha’n eil math dhuinn tòiseachadh air gealltanais sam bith a dheananamh thaobh na tha romhainn a dheamh gun fhios co dhiu bhitheadh no nach bitheadh e ’nar comas an cumail, ach faodaidh sinn a radh gu bheil sinn a’ dol a dheanamh cho math ’s a’s urrainn dhuinn. Rinn sinn ar dichioll ’san am a chaidh seachad air leughadh cho math ’s cho taitneach ’sa dh’fhaodamaid a thoirt do luchd-gabhail a phaipeir, agus tha sinn an dòchas leantuinn air sin ’san àm ri teachd. Agus cho luath ’sa chuireas ar luchd-leughaidh ’nar comas e, ni sinn am paipear a mhcaeudhadh. Cha’n urrainn dhuinn gealltanas na’s fhearr na sin a dheanamh aig an àm so. ’S fheàrr tòiseachadh le paipear beag agus a bhi ’cur ris a lion beagan us beagan, na toiseachadh le paipear mòr ’s e dhol bàs. Deanadh gach aon a chuid fhéin gu math agus gheibh am MAC-TALLA air adhart, ’s mar a theid a luchd-gabhail ’an lionmhoireachd, theid esan am meud. CHAIDH Carnot na Frainge a thiodhlacadh la na Sàbaid s’a chaidh le greadhnachas mòr. Bha na Frangaich riamh gaolach air greadhnachas us mòr-chùis agus fhuair iad cothrom air iad fhéin a shàsachadh leis an la ud. Bha Carnot ré a bheatha na dhuine air an robh meas mor mar dhuine agus mar fhear-riaghlaidh, agus bha e iomchuidh gu’m biodh gach onair agus uaram, a ghabhadh buileach air an deigh a bhàis, air a thoirt dha le a luchd-dùthcha. AN TELEGRAPH.—Thuirt bean Ghàidhealach bho cheann ghoirid ri duine àraidh air am bheil sinn eòlach, gu’n cuala ise aig na gillean a thainig á Gallabh gu’n robh innleachd ùr aca an dràsd air son daoine, a thoirt a dh-America; nach bitheadh dad aca ach dol ’n an seasamh air barr slait mhoir iaruinn agus gu’m bitheadh iad a null air a’ “helegra” nan ceò, ann am prioba na sùla. Thuirt te eile a bha ’s an eisdeachd gu’m b’ fhearr leithe fhein dol a null air te dheth na seann soithichean, nan doigh ùr sin; air eagal ’s nach rachadh aice air i fhein a chruinneachadh a rithisd thall. Thainig fras throm de chlachan-meallain feasgar Diordaoin. Bha chlach cho garbh ’s gu robh uinneagan air am bristeadh ann an cuid dhe na taighean air an t-sràid ìsil. Cha’n eil beachd aig moran an so air a leithid fhaicinn riamh roimhe. ’S ann mu Shidhn bu mhiosa a bha ’n fhras. Bha ’n latha briagha grianach gus mu leth-uair mu’n d’thainig an fhras agus bha e cheart cho briagha grianach mu leth-uair ’na deigh. Tha cruinneachadh an dràsd ann an Ottawa de dhaoine as gach cearna dhe ’n Impireachd Bhreatunnach. Tha iad a feuchainn de ghabhas deanamh air son math coitchionn gach cearna fa leth. Tha iad ann à Breatunn fhéin, à Anstralia, New Zealand ’s as na h-Innsean an Ear ’s an Iar ’s à Africa. Tha dòchas mor againn gu’m bi a choinneamh so na meadhon air dùthchannan na h-Impireachd a thàthadh ri chéile na’s dlùithe na bha iad riamh. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. HEARN & HEARN, Fir-Tagridh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. Hearn. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 5] [Vol. 3. No. 1. p. 5] NAIDHEACHDAN THA muinntir Halifax a deanamh deiseil air son cuirm mhor a thoirt do Iarl’ Abaraidh ’n uair thig e do’n bhaile. CHA’N fhaodar a bhi ’g iasgach nan giomach air cladaichean Cheap Breatunn an deigh meadhon a mhios so. SPRAIDH goileadair ann am muillean sàbhaidh an Cayuga Ont., Di.sathairne s’a chaidh agus bha dithis air am marbhadh. BHUAL an dealanach tigh ann an Huntsville, Ont., a bhuineadh Thòmas Màrtuinn, agus bha ’bhean ’sa mhac air am marbhadh. THA’N daolag air toiseachadh air a bhuntata ’m bliadhna rithist. Tha i ’n deigh milleadh mor a dheanamh ann an iomadh àite. CHAIDH soitheach a bha luchdaichte le siùcar a chall aig Sambro faisg air Halifax. Fhuaradh mu dha cheud poca dhe’n t-siùcar a shàbhaladh. BHA daoine ’gearain air an fhuachd gus o chionn ghoirid; tha iad a nis a’ gearain air an teas. Bha latha no dha de’n t-seachdain so anabarrach teth, CHAIDH triuir dhaoine’ òga ’n Toronto mach le canù Di-dòmhnaich s’a chaidh, chuir oiteag ghaoithe thairis an canù agus chaidh dithis dhiubh a bhàthadh. FHUARADH corp nighinn òig anns an t-sruth faisg air Eas Niagara, air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar a deanamh mach gu robh e ’san uisge fad da sheachdain. Cha d’ fhuaradh a mach fhathast cò bh’ ann. DH’ FHEUCHADH ri oifig na “Witness” ann am Montreal a chur dha na speuaan le dynamite air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an tigh a mhilleadh gu dona ach gabhaidh e cur air déigh cho math ’sa bha e roimh e an ùine ghoirid. AIR an rathad eadar St. John us Baggor, Maine, an la roimhe, chaidh na carbadaid troimh dhrochaid agus bha ceathrar dhaoine air am marbhadh ’s moran air an leònadh. Thatar a deanamh mach gu robh rud-éigin air a chur air an rathad air son so a dheanamh. THA duine d’an ainm Soucey aig Rivere du Loup, an Quebec a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bu choir do neach eigin doigh a dheanamh air am faighte mach aireamh na feadhnach a tha thairis air ceud, ann an Canada. Is e ar barail gu bheil barrach ann dhiubh ’sa tha muinntir an dùil. DH’ FHALBH na soithichean Frangach as an acarsaid mu mheadhon na seachdain. Bha aifhrionn aca air bòrd Di-dòmhnaich air son an Riaghladair, agus mu’n àm a bha e air a chur fo’n fhòd, loisg iad urchair air fhichead. Bha iad ann an culaidh bhròin o’n fhuair iad sgeul a bhàis, ach co-luath ’sa shaoil leo a bha ’n tòrradh seachad, chroch iad na brataichean ri bàrr nan crann agus chuir iad gach ni na àite fhein mar bha e roimhe. THA cuirm shuidheagan gu bha aig mnath an co-thional St. Andrew’s air an treas latha deug. THA na suidheagan gu math pailt an dràsda. Bha iad a creic aig tasdan an càrt an toiseach ach tha iad a nise a creic aig deich sentichean. Thainig soitheach Frangach eile stigh ’sa mhaduinn an dé. Cha’n eil innte ach rudan beag, ’s ri gabhail air a coltas, cha mhor a dheanadh i ann an teas blàir. Bi’dh an rathad-iaruinn eadar Sidni us Louisburg fosgailte mach cho fada ri Cow Bay, (no mar theirear ris a nis, Port Morien) mu thoiseach mios meadhonach an Fhoghair. ’S briaghe ’n t-side fàis a bha againn air an t-seachdain so. Cha’n iarramaid moran na b’ fhearr. Tha sinn an dòchas gu’n lean e mar so gus am bi bàrr math trom againn anns an fhoghar. Chaidh carbad-iaruiun bhar an rathaid ’an Columbia Bhreatunnach Di-dòmhnaich s’a chaidh agus bha ’m fear-iùil agus naoidhnear eìle a mharbhadh. Bha ’n rathad air a mhilleadh leis an tuil a bh’ ann beagan roimhe sin. CHUIREADH dithis dhaoin’ òga an greim aig Victoria Mines Di-ciaduin air son ionnsaidh a thoirt air gabhail air Wilkinson a bha sealltuinn thairis air an luchd-oibreach anns a mhèinn. Fhuair gach fear dhiubh deich latha fichead priosain. Fhuaireadh tri cheud tri fichead sa h-ochd de chuirp anns a mhèinn a chaidh ’na teine ann a Wales air an t-seachdain s’a chaidh. Bhatar an dùil aig an àm nach do mharbhadh ach mu dha cheud gu leth, ach bha ’chùis moran na bu mhiosa na sin. Ceithir latha ’n deigh do Charnot a bhi air a mhort, chruinnich an Scanadh aig Vrisailes gus fear-riaghlaidh ùr a thaghadh. Bha choinneamh a bh’ aca glé mhi-rianail, ach bha fear Casimer-Perier air a thaghadh. Fhuair e faisg aìr ceud vote a bharrachd air cach uile. Tha sinn an dòchas nach dean luchd-gabhail a MAC-TALLA dàil sam bith ann a bhi cur air adhart an cuid airgid air son na bliadhna air am beil sinn air tòiseachadh. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a mhios so ’s cuiridh sinn feum air a h-uile dollar. CHA mhor nach eil a h-uile rathad-iaruinn anns an Stàitean an Iar nan tàmh. Thainig run-eigin eadar na daoine agus luchd-riaghlaidh an rathaid agus thionndaidh na daoine mach. Tha Chicago ann an cunnart gu’m bi gort ann, am biadh gu teirgsinn agus gun dòigh aìr biadh a thoirt a stigh. Bha fearg nam Frangach air a lasadh cho mor an aghaidh nan Eadailteach a chionn gu’n b’e fear dhiubh a chuir as do Charnot ’s gu bheil na h-Eadailtich a toirt an casan’ leotha as an dùthaich. An taobh a stigh de chòig latha an deigh bas an Fhir-riaghlaidh rainig tri mile dhiubh Berlin ceann bhaile na Gearmailt. Thaghail duine còir à Grand Lake a stigh againn an dé. Tha e ’g radh gu bheil e dlùth air ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus nach cuimhneach leis leithid na frais a thainig Dior-daoin fhaicinn raimh. Tha e cinnteach gu’n cothromaicheadh cuid de na clachan-meallain cairteal puinnd. Bha cuid an dùil gu robh deireadh an t-saoghail air tighinn. Iadsan a Phaigh. An t-Urr. D. Mac Neill, Ch’town, P. E. I. Domhnull Mac Neacail, Willington B. C. Alasdair Mac Rath, Reeftown, N Zealand. Peigi Nic Fhionghain, Brighton, Mass. Alasdair Mac Fhionghain, Medford, do. ($2.00.) Iain G. Mac Eachuin, Woburn, do. R. I. Mac Eachuinn, Newton, do. D. L. Mac Gilleain, Caledonia Mines. D. H. Domhnullach, do. D. Domhnullach, Glengarry Valley. Iain Moireastan, South Gut, (50cts.) Iseabal Chaimbeal, Gleann Ainslie. Uilleam Patterson S’y Forks. Tormoid Mac Amhlaidh, Loch Ghabarus. Eos Sutharlan, Soldiers Cove. Aonghas Mac ’Illeallain, Stewartdae. Eachunn Mac Gilleain, do. Aonghas Mac Ceigain, Marion Bridge. Aonghas Moireastan, Marsh Lake. Anna Nic Amhlaidh, Beinn nan Caimbealach. Steaphain Mac Neill, Pòn Mòr, Alasdair Domhnullach, Bridgeport. Anna Chaimbeal, Ceap Nòr, Fionnladh Mac Aonghais, N. Sydney. A. F. Caimbeal, Eilean Phictou. Alasdair Domhnullach, (an Ridge) Seumas Mac Rath, Marshy Hope N. S. Aonghas Mac Aonghais, Georgeville, do. Aonghas Mac ’Illeamhaoil, Lagan, Ont. Seumas Mac ’Illemhaoil, do. Niall D. Mac Cuaig, do. Iain Grannd, do. Iain Moireastan, Dunbheagain. Iain D. Mac ’Iliemhaoil, do. Uisdean Mac Leoid, Harriston. Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 6] [Vol. 3. No. 1. p. 6] BRON MATHAR. Chaidh an sgeul bronach a leanas aithris ann an America o chionn ghoirid, le tìomachd agus le blàth-chridheachd anabarraich, leis a’ bhoirionnach bhochd i fein, an deigh dhi an dùthaich sin a ruigsinn mar bhan-eilthireach bho’n rioghachd so. Re na h-uine a bha i ’g a innseadh thug a gnuis chiallach, aillidh, agus na deoir a shruth gu frasach a nuas a h-aodann, dearbhadh air firinn a dh’ aidicheas sinn gu leir—gu’m faighear cridheachan blath agus aignidhean maoth aig muinntir nach do rainig aon chuid air foghlum, no oilein, no inbh na h-uaisle. “Bha seomar-toisich na luinge air an do sheol sinn lan de dh-eilthirich de gach aois; agus m’ an robh sinn ach goirid aig fairge bhrist anshocair sgriosail a mach am measg na cloinne a bha air bord. Aon an deigh aoin, bha iad air am bualadh agus air an gearradh as leis an trioblaid so, agus aon mu seach dhiubh air a phasgadh suas ann an leine chumhann nam marbh, agus air a charadh anns a’ chuan gun mharbh-rann gun tuireadh ach osnaidhean trom na mathar agus deura goirt nan aithrichean agus nam braithrean agus an luchd coimhid a sheas gu dubhach m’ an cuairt. Mar a shlugadh iad anns a’ mhuir agus a dhuin na tonnan uaine thairis orra, theannaich mi mo naoidhean fein ri m’ uchd agus ghuidh mi gu durachdach gu’n caomhnadh Dia mo leanabh—m’ aon-ghin agus m’ annsachd. Ach cha b’ e so a thoil. Bhuail an tinneas e, agus latha an deigh latha chunnaic mi gu’n robh a bheatha a’ traoghadh air falbh, agus gu’n robh obair a bhàis cheana air tòiseachadh. Air oidhche Dihaoine fhuair e am bàs, agus a chum nach féumainn esan a bha aon uair cho aillidh, agus fhathasd cho priseil, a thoirt a bhiathachadh ainmhidhean a’ chuain, cheil mi air na bha m’ an cuairt domh gu’n robh e marbh. A chum ’s nach biodh amharus orra, bheirinn freagairtean tuaitheal do gach aon a dh’ fheoraicheadh air a shon; phaisginn gu te ann ann am bhroilleach e, agus sheinninn da mar nach biodh mo leanaban gaolach ach ’n a chadal car tamuil, am feadh ’s a bha e ann an cadal buan a’ bhàis. Chaidh latha ’s oidhche chianail seachad, agus thainig an t-Sàbaid. Coltach ri càch chuir mi suas deise ghrinn, ghlan, agus bha feith-ghaire air mo ghnuis; ach O! bu deuchainneach an obair i oir bha mi a’ faireachdainn mo chridhe a’ bristeadh. Air Diluain cha ghabhadh bàs mo leinibh cumail na b’ fhaide an uaigneas, ach air faicinn do’n sgiobair teas mo ghraidh, chuir e an corp ann an cisteig bhig agus gheall e gu’n gleidheadh e fad da latha eile e gun a chur ’s a’ chuan, fheuch an ruigeamaid tir m’ an tigeadh an t-àm sin. Chaidh a’ chiste-mhairbh a chur anns a’ bhàta bheag a bha ’snamh aig deireadh na luinge, agus re thraithean fada na h-oidhche shuidh mi ’g a faireadh—faileas dubh air aghaidh nan tonn, a dh’ fhaodadh a slugadh air falbh as mo shealladh gu brath. Is ann an sin a chuimhnich mi air mo dhachaidh bhoidhich, air tir mo dhuthchais, na cairdean caomh a dh’ fhag mi ás mo dheigh, agus a bu mhiann leam a bhi ri m’ thaobh, chum ’s gu’m measgainn mo dheoir le ’n deuraibhsan. Re na h-oidhche bha mi a’ faireadh corp mo leinibh, agus re an latha bha mi gu geur ag amharc a mach air son an fhearainn—a togail mo chridhe ann an urnaigh ris-san aig am bheil na gaoithibh ’n a lamhan, gu’n tugadh e sinn gu luath gu ceann ar turais. Air an treas madainn, mu bhristeadh na faire dh’ eirich an ceo agus chunnaic sinn cladaichean gorma New Brunswick. Chaidh an long a thilgeil an ceann; agus dh’ fhag an sgiobair agus a dha no tri d’ a chuid daoine an soitheach a’ giulan corp mo leinibh leotha gu tir. Cha do cheadaicheadh dhomh dol comhladh riutha, ach o chlar nan luinge bu leir dhomh iad a’ cladhach na h-uaighe fo sgaile tiugh na coille, aig iochdar bruthaich aillidh a bha a’ claonadh a nuas gu oir an lain; agus bheannaich mi iad ann am chridhe, agus ghuidh mi gu’n ath-dhioladh Dia an caoimhneas araon do’n bheo agus do’n mharbh. An uair a thainig iad air an ais, thainig an sgiobair am ionnsaidh agus thubhairt e—“Mo bhoirionnach math, is e ainm an àite anns an do thiodhlaiceadh do mhac, Greenville air corsa New Brunswick. Sgriòbhaidh mi air paiper e, chum ’s gu’m bi fhios agad c’àite bheil e ’n a laidhe.” Thug mi buidheachas dha air son a churaim, ach thuirt mi ris nach ruigeadh e leas—gu’n robh e cheana sgriobhte air clar mo chridhe, agus gu’m maireadh e an sin gus an coinnichinn fein agus mo bhalachan beannaichte anns an t-saoghal ghlormhor, shona, air taobh thall a’ bhais.”—MAC-MHARCUIS. ’sa Ghaidheal 1874. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND &CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig [TD 7] [Vol. 3. No. 1. p. 7] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. Choinnich mi ri mòran do na càirdean ’an so as gach cearn mu ’n cuairt. Bha mi g ionndrainn cuid as a measg a b’ àbhaist a bhi comharaichte aig coinneamhan urnuigh maduinn agus feasgair aig amannan sòluimte de ’n t-seòrsa so. Cha’n fhaicte Tormad Mac Shomhairle le ’cheann liath agus le ’bhata agus a bhreacan ann. Cha mho ’chite Aonghas Mac Dhomhnuill Mhic Thormaid na Pòl ann no Gilanders diadhaidh. Chaidh na fearaibh diadhaidh so a sguabadh leis a bhàs dhiunnsuidh an sonais. Dh’ionndrainn mi gu sònruichte Mòr Mhòr na Huaghadh as a measg. Is e boirionnach iongantach a bha innte so. Dh’ fheudta leabhar a sgriobhadh air a deanadeasan agus a cantasan. Chaidh i féin agus Maighstir Davidson aon uair troimh a chéile air son beachdan eaglaiseil. Bha am ministeir air son an Eaglais Shaor aonadh ri Eaglais Aonaichte Chléireachail na h-Alba agus bha Mòr bhochd an aghaidh sin. ’Se bun a bh’ ann dh’ fhuirich Mòr fad bliadhna no dhá gu’n dol a chéilidh do’n mhansa. Air a ceud thaghall choinnich bean a mhinisteir i aig an dorus. “’S fada bho’n uair sin a Mhòr” ars ise; agus air dhi fios a bhi aice air aobhar na connsbaid thubhairt i ri Mòir. “Ma tà cha’n eil ni do dh’ eadar dhealachadh eadar am ministeir an diugh agus ’nuair a sguir thu do thaghall oirnn.” “Mur a bheil” ars a mòr is olc an comhara air, oir is e a tha an fhirinn ag radh. ’Thig piseach air an fhìrean chòir,” Chunnaic i aon uair eile e tighinn do chruinneachadh àraidh agus do bhrìgh an aobhair cheudna ’s ann a thoisich i air brunndail leatha féin—“Ach gu d’ e a tha ga do chursa an so le do dhà sheòrsa creideamh agad?” Mhothaich mi atharachadh mòr air tighinn air cothional Mhànais. Tha grùnd do mhuinntir òga air tighinn fuidh bhuaidh na fìrinn ann. Is maiseach an ni gillean òga agus caileagan òga fhaicinn a frithealadh gu toilìnntinneach air coineamhan ùrnuigh. Mo thruaighe, ann an Canada againne, ’s ann a gheibhear a chuid mhòr de ’n t’ seòrsa so a’ call an anama agus an cliù anns na bàlachan dannsa. Chuir e toileachadh mòr orm àireamh do’n òigridh fhaicinn ’am Mànais fo churam. Ach gu mo sgeul—Air feasgar na Sàbaid shearmonaich mi ’s an eaglais do cho thional ciatach. Air Diluain thugadh da shearmon do’n t-sluagh bhochd anns an dealachadh; agus is iomadh suil dheurach a bha air a chnoc ’nuair a bhà sluagh bochd an Tighearna ag gabhail slàn le aon a chéile. An deigh na dìneir ghabh làn bàta againn an t-aiseag timchioll Rudha Rothadail gu Bearntraigh. Bha an latha breagha ciùin agus a ghaoth na’r deigh. Bu thoilìnntinneach a bhi ag cluinntinn na’m bràithrean a’ tighinn thairis air na chuala iad ré na ’n òrduighean. Rinn Macghilleleathain mòran rannsachaidh timchioll air pearsa Chriosda air an t-Saboid a’ dearbhadh nach robh pearsa duine idir aige agus thug so obair co labhairt do na daoine còire air an aiseag a’ dol dhachaidh. “Chaill mi sealladh gu h-iomlan air mhinisteir” ars a h-aon dhiubh. “Cha toil leatsa na ministeirean a bhitheas a’ toirt car mu chnoc dhuit” arsa fear eile. Nach bu mhath gu’m bitheadh muinntir na ’r sgirean ’an Canada air an cleachdadh air a mhodh cheudna. Mar so thainig seirbhesean òrduighean Mhànais gu crich agus sgaoil an sluagh mòr gu’n suil ri coinneachadh na h-uile dhiubh gus an coinnich iad aig cathair a bhreitheanais. Ach feumaidh mi a nis an luchd leughaidh a thoirt leam gu cuairt eile a thug mi. Air an ath Sheachdain fhuair mi an t-aiseag gu caolas Stiadair agus dh’ fhan mi an oidhche sin ann an tigh Ruairidh Mhic Challum. Choinnich mi ’an sin ri gille òg a mhuinntir Shranda a tha na bheag fhuamhair. Cha robh e ach sia bliadhna deug a dh’aois agus bha e còrr agus sia troidhean do dh’ àinde agus garbh a réir sin. Chuir a mhaighstir do Ghlaschu a dh’ iarruidh bhrog dha. Fhuair e àireamh a dhà dheug dha, agus bha iad a’ goirteachadh a chosan. (Ri leantainn.) Chaidh mise leigheas o chuing le MINARD’S LINIMENT. Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE. Leighseadh mise o lòine le MINARD’S LINIMENT. Mahone Bay. IAIN MADER. Leighseadh mise o chas ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Bridgewater. IOSUA WEGNACHT. THA na Baistich anns a bhaile a tòiseachadh air eaglais ùr a thogail. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. RUBBERS dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’ aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 8] [Vol. 3. No. 1. p. 8] An Domhnullach Urramach. Gur h-e mo ghaol-s’ an t-uasal A dhealaich mi Di-luain ris; Bioh iomad te fo ghruaman Mur buannaich a thuras leis. LUINNEAG. An Dòmhnullach urramach A dhireadh na mullaichean! Tha t’ fhoghlum cho àrd ’S ged a dh’ àraicht’ an Lunnainn thu. ’S gur h-e mo ghaol an t-àrmunn A thug Diardaoin an tràigh air; Gun d’ òl mi do dheoch-slàinte; ’S e b’ fhearr na bhi muladach. Thig biodag gu neo-chearbach Is breacan nam ball meanbh ort, Is claidheabh a chinn airgid, ’S gun dearbhadh tu buillean leis. ’Sa mhaduinn an am dùsgadh Bha snighe le mo shuilean, A cuimhneachadh do shùgraidh; ’S e dh’ ùraich mo mhulad dhomh. Bidh tadhal mara ’s tire Air taigh an fhleasgaich riomhaich, Lamh a sgapadh fiona, ’S a riaghladh na tunnachan. Bu mhath thu san taigh-òsda A cur nam fear an òrdagh; Cha togadh tu ann còmhstrith Ach òrain is uirighioll. ’S tric an nùll ’s an nall thu Do Lunnainn ’s ’thir na Franige Fhir ud ’rinn mo chall ’Nuair a gheall mi bhi ’fuireach riut. Marbhaich’ an roinn mhaoil thu, Creachadair na faoileig; ’S bu deas ad léine chaoil thu Air raointibh na h-iomaineach. B’i ’n fhior fhuil ghlan gun truailleadh An cinneadh as ’n do bhuaineadh thu, Coilich an taobh tuatha ’Toirt buaidh air a h-uile fear. Ma theid thu ’n cleit chlann Dòmhnuill Gur h-iomadh fiùran bòidheach A dh’ éireadh leat a Dhòmhnuill Nan toisicheadh cunnart dhuit. Bhiodh leòghann, fraoch, ’s lamh-dhearg leat, Mar sin is bradan tarragheal, Long ’s a slios ri fairge, ’S i falbh fo cuid chularan. Rinneadh an t-òran so le Flori Dhòmhnullach an Tota Raonuill ’san Eilein Sgiathanach do mhac Fir an Ath-Leathainn. Bha e na chaiptin’ ann san arm. Cha do phòs e Flori. Chaidh i car air airmhreit na h-inntinn. Leighsidh Minard’s Liniment Breac. Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aeile.chean, agus gach seòrsa bath-ar-po ai ’S tha e ’gan creic gle shaor. Failte Mhic-Coinnich. LE FIONNLADH DUBH MAC-RATH. Slàn gu’n till fear ’chinn duibh, Slàn gu’n till fear ’chinn duibh, Slàn gu’n till fear ’chinn duibh, Slàn gu’n till Uilleachan. Slàn gu’n dig, slàn gu’n ruig, Slán gu’n dig Uilleachan; ’S toigh leam fhin fear ’chinn duibh, ’S toigh leam fhin Uilleachan. Tha na ceudan am muigh, ’S tha na ceudan a staigh, Tha na ceudan am muigh, ’S toigh leam fhin Uilleachan. Slàn gun dith, slàn gu sior, Slàn gun dith Uilleachan; ’S toigh leam fhin fear mo chridh’, ’S toigh leam ’chaoidh Uilleachan. Slàn gu’n till fear ’chinn duibh, Slàn gu’n till Uilleachan; Slàn gu’n dig, slán gu’n ruig Slàn gu’n dig Uilleachan. ’S e mo rùn fear ’chinn duibh, ’S e mo rùn Uilleachan; ’S mor a chùirt ’bhi ort dlùth, ’Fhir mo rùin, ’Uilleachain. ’S gaisgeach treun Uilleachan;— Claidheamh geur ’n laimh ’n fhir fhéill, ’S na seòid ag éigheach gu léir Is trom beum Uilleachain. An Gobhainn agus am Ministear. Is minic a bha guaillean teine ann an sgornan gobhainn, agus bu ro thaitneach leis a smàladh as le uisge ni ’s treasa na uisge fionnair an tobair. Air là àraidh chòmhlaich gobhainn na sgireachd am ministear, agus thachair gu’n robh an rathad-mòr rud beag cumhann dha; gadheadh, chuir e failte air a’ mhinistear, a thubhairt ris, “O Sheumas, Sheumais, tha mi ro bhrònach ’fhaicinn gu’n bheil thu air tòiseachadh air do sheann cleachdadh a ris, dh’ aindeoin nam bòid a thug thu gu minic seachad. Ciod a dh’ éireas dhuit, a dhuine thruaigh, agus ciod a tha thu ’cur romhad a dheanamh de ’n bhallachan gille so agad,—brogach glan, tapaidh, gleusda gu’n teagamh?” Ma ta, a mhinisteir chòir, tha mi ’cur romham a dheanamh dheth ni nach urrainn thusa, ged is duine-uasal, fiosrach, fòghluimte thu, a dheanamh, dhe d’ mhac féin.” “Ciod sin, a Sheumais, innis domh, innis domh air ball, ciod sin?” “Ma ta, le’r cead, a mhinisteir,” ars an gobhainn le fiamh-’ghaire, “tha mi ’cur romham duine a dheanamh dheth mòran ni ’s fearr n’ a athair!” Leighsidh Minard’s L’ment Crosdachd. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’ againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir airson an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. [TD 9] [Vol. 3. No. 2. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 14, 1894. No. 2. Eachdraidh Bhartimeuis. N’uair fhuair sinn crodh bu gle tric a thigeadh aon dhachaidh air a reubadh leis a mnathan. ’Nuair fhuair sinn caoirich bha na mnathan a’ deanamh na h-uile seòrsa aodaich d’ an cloimh agus air d’ an loch bhi làn de na h-uile seòrsa éisg bhitheadh aginn leis a buntàta cha robh faramad aginn ri duine fo’n ghréin. Bu laithaithean sona iad so ged a shaoileas muinntir an la ’n duigh nach robh iad ach faoin, ach feumidh mi aideachadh gu robh an t-àit glé dhorcha gun sgoil no fear-teagaisg air taobh stigh Loch mor a Bhras d’Oir, agus a thuilleadh air a sin cha robh lighiche anns an tir mhor ris an can sinn an diugh siorramachd Inbhirnis, agus ann an geamhradh 1823 chaidh casan nàbuidh dhomh a reodhadh agus b’ èigin dol leis ann am bàta beag astar thri fichead mile gu ruige ’n lighiche Domhnullach ’an Antigonish. Mu’n bhliadhna 1824 thainig an lighiche Noble, agus tha moran de luchd-leughidh a MHAC-TALLA eòlach air an òran a chaidh a’ sgriobhadh d’ an bhean aige leis a’ Bhàrd Mac Illean. Ann an 1824 chuir fhear Uilleam Compton a Eilean a Phrionnsa, muilleann sàbhaidh agus bleith suas air taobh tuath Loch Malagawatch ni bha glé fhabharrach do mhuinntir an àit. Cha robh rathad bho Judique a nuas Amhuinn Dhennis mu ’n cuairt Malagawatch gu ruige ceann a Bhai-’n-Iar ach bha ceum bho Cheann a Bhai-’n-Iar tromh River Inhabitants gu Caolas Chanso. Cha robh ach leantuinn taobh a chladaich dol mu ’n cuairt gach rudha ’s camus, or cha leigeadh eagal a mhathain leo dol troimh ’n choille. Ann an 1825 chaidh Iain Lewis òrduichidh leis an uachdaranachd air son criochan a shuidheachadh eadar a mhuinntir a shuidhich air na fearainn, agus dh’ fhosgail e a cheud rathad bho Loch Malagawatch troimh Amhuinn Dhennis agus Beinn Judique go ruig an Rudha Fada. Anns a’ bhliadhna cheudna thainig na Kavanaghich gu St. Peters; bha iad a’ marsantachd ann an Caolas a Bhoom a’ gabhail fiodh a agus ’ga chur d’ an t-seann dùthaich. ’S cuimhne leam ceithir longan mora tri-chrannach fhaicinn aig an aon àm a’ gabhail a stigh fiodha—agus glé thric a dha sa tri. ’Sa bhliadhna 1827 thog iad long, “James and Tom” a dh’ ainmich mi ann an aireamh eile d’ an MHAC-TALLA—do chuideachd a mhunntir Liverpool a Sasunn agus chaidh fear d’ ar coimhearsnaich Iain Mac Neill a bha na dheadh sgoilear a shasuinn oirre agus fhuair e airgiod bho Home Mission ’an sin air son sgoil fhosgladh ’an so, nithe a rinn e air dha pilleadh ’sa bhliadhna 1831. An deigh beagan bhliadhnaichean chaidh e a dh’ Eilean a Phrionnsa far ’n do shuidhich e. Bha moran a nis a’ còmhnuidh air Amhainn Dhennis oir bha i ainmeil air son giubhais. B’e Dòmhnull Dhomhnullach a Glengarry an Alba a cheud mhinisteir ’thainig a Cheap Breatuinn agus sheirbhisich e da bhliadhna eadar Hogamh ’s am Bhai-’n-Iar ’s Malagawatch. Chaidh e sin a dh’ Eilean a Phrionns far an robh e go àm a bhais. Ann an 1826 chur Eaglais Saor na h-Alba an t-Urr Iain Mac Illinnean na mhissionary do Cheap Breatuinn agus chomhairlich e do mhuinntir an àite so eaglais a thogail anns an searmanicheadh teachdair nuair thigeadh e, agus anns a bhliadhna 1828 thòisich sinn le aon inntinn agus thog sinn eaglais a bha da fhichead troidh air fad agus deich thar fhichead a leud—le tri lobhtachan—aon ’na ceann ’s air gach taobh—agus chumadh i moran sluagh. B’i a cheud eaglais Presbiterianach a chaidh a thogail air Eilean Cheap Breatuinn. Am measg na bha ’ga togail bha gill’ òg a’ deanamh sgliatan tana guithas agus chunnaic mi an deigh sin e a’ searmanachadh innte an deigh ’bhi air fhòghlum ann an Oil thigh na h-Eaglaise Saoir an Duneidin. Chaidh a cheid searmon a deanamh innte an toiseach an t-samhraidh 1829 leis an Urr Dughall Mac Ceigain. Ann an ’32 bha a’n t-Urr. Iain Stewart air a shuidheachadh anns a’ Bhai-’n-Iar agus bha sinn a’ faighinn an còigeamh Sabaid d’ a sheirbheis agus ann an ’37 chaidh an t-Urr. Paruig Mac Gilleain a shuidhucheadh a Hogamah agus bha sinn a faighinn an còigeamh sàbaid d’ a sheirbheis-san mar an ceudna. Bha an t-Urr. Alasdair Mac Fheachair a’ toirt cuid d’a sheirbheis dhuinne ma’n ám chaidh a shuidhucheadh air an Amhuinn Mheadhonaich. Chaidh e troimh mhoran cruadal an àm bhi suibhail na mhiossionary bho àit go àit. Cha robh na bàtaichean cho pailt ’sa tha iad an duigh agus gle tric ’be na h-Innseanaich le canùichean cartach a bhitheadh ’ga aiseag, agus fhuair mi dearbhadh a chionn ghoirid gu bhiel e fior gu’n d’ fhalbh e bho’n Amhuinn Mheadhonaich gu ruig Miramachi ann an aon diu so—far a robh e air ordaineadh—oir ’s ann ’an sin a bha a’ chléir a b’ aisge. Bha moran missionaries ’g ar fiosrachadh re nam bliadhnaichean a lean—na measg faodaidh mi ainmeachadh na h-Urr. Seumas Friseal Adhamh Mac Aoidh, agus Murchadh Stewart, gu’n d’ fhuair sinn a’n t-Urr. Aonghas Mac ’Illemhaoil bha tri bliadhna deug na’r measg ach a tha nis ’sa Bhai-’n-Iar. Thainig moran atharrachaidh air gach ni bho m’a cheud chuimhne—ann an àit nam bruchlagan beaga tha taighean briagha—eaglais ùr a’n àit an t-seann té—tigh-ministeir beagan shlat uaithe—sgoilein sàbaid us seachdain—rathaidean mora eich us carbadan—post a tighinn gu riaghailteach—ahus iomadh ni eile nach leag mi leas uine a chall ’g an aithris. Is fior an sean-fhacal a tha ’g ràdh, “Is iomadh rud a chi an duine bhios fada beo,” BARTIMEUS. [TD 10] [Vol. 3. No. 2. p. 2] BLAR ALLT A’ BHONNAICH. Air feasgar an 23 là de mhios mheadhonach an t-samhraidh, 1314, dhlùthaich an t-arm Sasunnach riù. Thàinig cuid de ’na marcaichean bu tapaidh glé dhlùth gus am faiceadh iad ciod a bha na h-Albannaichean a deanamh. Bha rìgh Raibeart an sin a’ marcachd fa chomhair an airm, air ais ’s air aghart, ’s gun fodh’ ach beag-each, a’ chionn nach robh sùil aige ri cath air an fheasgar sin. Bha e aithnichte thar gach oifigeach eile, le còran òir a bh’ air a cheann os ceann a’ chlogaid. Bha e ’giùlan tuagh-chatha stàilinn ’na làimh. Bha gaisgeach mòr an sin a measg nam marcaichean Sasunnach da ’m b’ ainm Eanruic de Bohun. Smuainich e so gu’m bu ghasd an cothrom a bh’ aig a nis air cliù a chosnadh leis an rìgh a mharbhadh, a bha marcachd air each co beag, agus air leth o ’chuid saighdearaibh. Chuir e ’n t-each cogaidh na chruinn-leum a null air muin a’ Bhrusaich. Bha ’n t-Albannach neo-sgàthach ga fhaicinn a’ tighinn ’s dearbh-fhios aige ciod mu ’n robh e. Ach teicheadh cha deanadh e. Bha ’n t-sleagh fhada, gheur, aig Bohun ga cumail roimhe gus a sàthadh troimh chorp an fhir eile; ach ’n uair a bha e gu bhi aige, thug am Brusach starradh beag as a rathad de ’cheann air sheòl ’s gu’n do sheachainn e ’n t-sleagh, agus ag éiridh ’na sheasamh ’s an diollaid, thug e ’n t-suaibeag ud thar a ghuaille air ceann a’ Bhohuin leis an tuaighchatha, a chaidh tre ’n chlogad ’s tre ’n chloigeann a bha ’na bhroinn. Thuit am Bohun mòr as a dhiollaid, ’s bha e marbh mun do ràinig e ’n talamh. Thug a chuid oifigearan aghaidh dha nis, air son e dheanamh gniomh co bras, agus na ’m b’e féin a bha air tuiteam gu’m bu cho maith choibhsan teicheadh còmhladh. Ach ’s ann a bha ’m Brusach a’ sior amharc air a’ bhearn a chuir clogad a’ Bhohuin as an tuaigh, ’s gu’n e ’toirt freagradh sam bith ach “Mhill mi mo dheadh thuagh-chatha.” Air maduinn a’ cheathramh là fichead dhlùthaich an dà armailt ri ’chéile air son còmhraig. Thòisich a’ mhire-chath leis na fir-bhogha Shasunnach a dhòirteadh a nall làdach shaighdean air na h-Albannaich, agus ’s eagalach an cunntas a tha luchd-eachdraidh, le aon ghuth, a’ toirt air a’ mharbhadh sluagh a rinneadh fhad ’s a mhair i. Mur biodh grabadh sam bith air a chnr air na sgriosadairibh ud, dh’ fheudadh iad an diol a dheanamh air na h-Albannaich na là ud ’s a rinn iad sea bliadhna deug roimhe sud air daoinibh Uallais, lá na h-Eaglais-brice. Ach bha marc-sluagh a’ Bhrusaich dileas agus làn ullamh air son ùmhlachd a thoirt do’n òrdugh a bhi thall a measg nam fear-bogha. Bhuail iad air na Sasunnaich a ghearradh sios thar muin nan each le claidheamh ’us sleagh, ’s o nach robh aig a’ chuid ud de ’n arm Shasunnach ach bogh’ ’us saighead, cha b’ urrainn siad iad féin a dhionadh o gharg bhuillibh nam marcaichean, ’s chaidh iad gu tnr ’n am breislich, ’s dheth ’n rian. Bha àireamh mòr de eachraidh thaght’ aig rìgh Shasuinn a bha ullamh gus na marcaichean Albannach a chumail air falbh. Ach mar is maith a bha fios roimh làimh aig rìgh Raibeart air an rathad a bha iad gus a ghabhail a’ tighinn ’an aghaidh a chuid marcaichean féin, bha e uile ’n a thalamh toll, ’s air a lionadh le bioraibh sgriosach. An àm tighinn air aghart ’n nan leum thachair do mhòran diubh direach mar bha sùil aig righ Raibeart a thachradh. Bha na h-eich a’ dol fodha ’s na slochdaibh ’s a’ briseadh an cnàmhan, ’s na marcaichean air an tilgeadh as an diollaidibh, ’s an druim ri talamh gun chomas éiridh aig truimead an armachd mhàilich, ’n an creich do shleaghaibh fada, geura, nan Albannach. Chaidh, mar so, gach earrann de ’n arm Shasunnach, gu all-tapadh; chaill iad an òrdugh ’s an comas air a chéile chuideachadh. ’An ùine nach robh fada, ’n uair a bha na gillean a bha ’fàireachas air cùl a’ chnuic a’ faicinn gu’n robh an càirdean féin a’ gleidheadh an gruinnd gu maith, ’s gu’n robh an là air lunn a dhol leò, bhruchd iad a nuas le leathad a’ chunic ’n an aon mheall, gun rian, gun òrdugh, ’s ni eigin de atharrais armachd—cabar no ni sam bith air am faigheadh e greim aig gach fear air a ghualainn, no na láimh. ’Nuair a chunnaic na Sasunnaich am pràbar ud a’ dòmhlachadh a nuas taobh a’ chnuic, ’s a smuainich iad gur e bh’ ann armailt lionmhor a bha ’m Brusach a’ toirt as ùr ri ’n aghaidh, ’s ann a thuit an tud ’s an tad buileach uatha. Thionndaidh iad air son am beatha thearnadh mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad. Bha rìgh Eideard féin a measg a’ cheud fheadhainn a thug buinn dhi. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich G. H. GUZZWELL, SIDNI C. B., Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 11] [Vol. 3. No. 2. p. 3] Chuir e aghaidh an toiseach air Caisteal Shruileidh, ’an dùil gu’m faigheadh e dìdean ’an sin. Ach dh’ innis ceannard na daingnich sin da gu’m feumtadh a toirt suas do rìgh Alb’ an là air-na-mhàireach, ’s nach robh e sàbhailte dha fuireach uair a thim innte. Thionndaidh e ’n sin gu deas, agus mharcaich e féin ’s an grunnan a bha còmhladh ris tri fichead mile mu ’n do lasaich iad eang. Ràinig e Caisteal Dhun-bàrr air a’ chrich Shasunnaich. Bha fear-gleidhidh na daingnich sin dìleas da gus an uair mu dheireadh. Leig se e féin ’s a luchd-coimhideachd a steach do’n Chaisteal, ’s dh’ aisig e ann am bàt’ iasgaich a null do Shasunn e. Phill Morair Seumas Dùghlas, a bha ga ruagadh o Shruileadh gu Dun-bàrr, air ais gun dad air son a shaoithreach, ach an t-eagal a chuir e air an t-Sasunnach. Cha do chaill Sasunn riamh blàr a b’ fhuiltiche, ’s bu challaile na blàr Allt a’ bhonnaich. Thuit deich mile fichead diubh an là ud, eadar an cath ’s an ruaig a lean an déigh a’ chatha. Bha Gil bheag a th’ anns an Allt, aig ceann a deas an airm, air a lìonadh suas, ’s air a deanamh còmhnard le eachaibh ’us daoinibh, mar gu’m bu drochaid a bh’ ann, ’s bha uisg’ an uillt sin co dearg le fuil nam marbh ’s ged a b’ fhuil e uile. Ghlac na h-Albannaich mòran phriosanach ’us mòran creiche. Tha Sasunnach àraidh, Manach Mhàmesburg, ann an tuireadh a rinn e air an là dhubh ud, ag ràdh gu’n do chaill iad co maith ri fiach thri muilliona de airgiod an là ’n diugh. Chaidh éiric mhòr a phàigheadh air son a’ chuid de na priosanaich a bha ’n an daoinibh saoibhir. Agus anns an iomlaideachadh so fhuair rìgh Raibeart a bhan-righ agus a nighean air ais á Sasunn, far an robh iad ’n am priosunaich ré ochd bliadhna. Cha do bhuinnig Alba blàr riamh, ’an linn sam bith, a b’ fheumaile dhi na blàr Allt a’ Bhonnaich. Leis a’ bhuaidh so, bha làn shaorsainn air a cosnadh o aintighearnas Shasuinn. Agus ged nach do leig an tàmailt leis an righ sin aideachadh, no sith a dheanamh ri Alba ré là féin, b’ i rioghachsan is mò gu mòr a chaill air sin na Alba. Bha cumhachd Shasuinn co mòr air a briseadh ’s nach b’ urrainn i ni b’ fhaide legionan de eachraidh ’s de choisichean armaicht’ a thaomadh a nall air Alba. Ach air an láimh eile bha Seanalairean a’ Bhrusaich, Sìr Tòmar Randolph, agus an Dùghlasach gu maith tric a’ briseadh a steach air toobh tuath Shasuinn, ’s a’ deanamh mòran millidh, ’us creachaidh feadh nan cearnan sin. Cha do thuit ach àireamh beag de na h-Albannaich là Allt a’ bhonnaich. Cha ’n ’eil luchd-eachdraidh ag aithris ach dithis dhaoin ainmeil a thuit ’s a’ bhlàr. Sir Uilleam Utpont agus Sìr Ualter Ross, dlùth-charaid Eideird Bhruis. Lean an còmhrag ri Sasunn ri linn Eideird. Ach ann an dara bliadhna de rioghachadh a mhic, Eideard III, chaidh an t-sìth a nasgadh ri Alba, leis an d’ aidich righ Shasuinn gu’n robh Alba saor o sud a mach gu bràth o thighearnas sam bith a bhi aig righribh Shasuinn thairis oirre. Agus gus an t-sìth a dheanamh ni bu treise dh’aontaich Eideard gu’m biodh Ioanna, a phiuthar, air a pòsadh ri Daibhidh, mac agus oighre rìgh Alba. Rinneadh an còrdadh so ’s a’ bhliadhna 1328.—Eachdraidh na h-Alba, le Aonghas Mac Coinnich. SGIALACHD. Bha ròcas ann roimhe so a bha air tòir cobhartaich dha fhein, agus air a thurus goidear mulchag-chàise à uinneig tigh-àiridh; agus càite an deach e ’g a h-iche ach do bharr craoibhe. Rinn e gurach air spic; agus sùil g’ an d’ thug e, ciod a chunnaic e shìos fotha ach gugarlach mor losgainn ’g a bhlianadh fhein an lub. Bha sùilean an losgainn ’n am faoban éitidh a’ sginneadh romh ’chlaigeann—bha e ’n a shealladh, air leis, cho ro ait ’s gu’n do chuir e, ri faicinn an spliutaire shliomaich, thruaigh, spliug de bhraoisg-ghàire air—an seorsa spliug sin nach tig ach do’n ròcas ’s e thoradh a ghean. Goirid bho ’n losgann bha soidearlach de dhamh còir, sultmhar, ag ionaltradh; baidnein uan ag cluaineis mu ’n àilein agus greis mu seach aca air snodadh bhileagan feòir agus bhlàithean. Co a bhuail a stigh do cheann shìos na cuithe ach gu’m b’e madadh alluidh. Sgeadaich e fhein cho seòlta an deise de chulaidh-chaorach, ’s nach d’ aithnich na h-uain cò a bh’ aca; cha’n e mhàin sin, ach fear dhiubh a bha an uilebheist tiotan beag roimhe sin na deaghaidh a mhàthair iche agus a craiceann a shuaineadh mu a ghuailnean, ruith e gu soganach, neochiontach, ’n a choinnimh an dùil gu’m b’é a mhàthair. “Hi-hì!” os an sionnach ’s e ag ailadh timchioll a’ ghàraidh an ionad a bha fo sgáil na craoibhe air an robh an ròcas ’n a ghurach ag gabhail beachd air an losgann ag coimhead air an damh le dà spliachd-shùil a bha an impis sgàineadh le farmad ’s gu bhi tachdte le ròcuil sglamhrainn. “Nach baoth na h-uain fhein. Sheall thus air a’ bhalcaire fhaoin, mhéalanach ud nach eil ag aithneachadh a’ mhadaidh-allaidh fo chraiceann na caora! An seann chealgaire sin a dh’ ich màthair ciorraidh an dé ’s a dh’ icheas e fhein an nochd—hi hì!” Bha comhachag am falach ’n a suain an cós an stoc craoibhe, agus ’s na cuir a bh’ ann dùisgear. “Pu-hù, fhir a th’ ann, ged nach eil mi g’ ad léirsinn tha mi ’g ad fhaireachdainn! Ma ’s toigh le cuid de dh’fheadhainn na h-uain, tha feadhainn ann air nach beag na geòdh,” os a’ chomhachag. “Agus a ghràidh nan ban, is toigh leatsa an luch,” os an sionnach. “Bidh muinntir China ’g an iche, tha iad ag ràdh,” os a’ chomhachag, “agus leugh mi an leabhar air choireiginn gu’m beil iad fuathasach déigheil air feòil chon,” os an t-seana bhean chòir a rithist. “O, tra nach do sgrios iad gach mac madaidh dhiubh bharr aghaidh an talmhainn!” os an sionnach. “Agus leugh mi cuideachd an àit eiginn, gu’m bi na Frangaich ag iche uan losgann, os a’ chomhachag. “Am beil thu ’sid a ghoistidh? Nach ann againn a bha cho-sherim bhinn cheleiridh an raoir!” “Ma bhios na Frangaich ag iche mo chineil-sa, bidh na Sasunnaich ag iche mairt fheoil,” os an losgann le ròchd—“bithidh daimh mhòra, mhosach, dhreallach, Ghallda.” “Pu-uhù!” os a’ chomhachag, “air leam gu’n cuala mi sin, gu dearbh, agus nach beag orra bonnach-an-t-soduil.” “Ach cò riamh a chuala gu’m biodh iad ag iche nan comhachag, no nan sionnach, a bhean chòir?” osa gille-nan-car. “No idir gu’n suidheadh iad sìos a chreim ròcais,” os an t-uasal a rithist ’s e ri beic do’n t-seann ròcas a bha ’n a ghurach ’s a’ chraoibh ’s an càis aige ’n a ghob, “Is triuir sinne nach cuirear an poit a leasachadh ruidht no ròic dhaoine—tha sinn os cionn sin.” “Is mise ian a’ ghliocais,” os a’ chomhachag, “bha mi fhein ’s an Seana- (Air a leantuinn air tdobh 7.) [TD 12] [Vol. 3. No. 2. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaaotainn. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 14, 1894. THA ’n Reiseamaid Dhubh a nis air ainm eile fhaotann,—“Na Gàidheil Rioghail.” Air eagal ’s gu di-chuimhnichear an seann ainm, tha na h-oifigich ’s na saighdearan an deigh comunn a chur air chios d’ an ainm “Comunn na Reiseamaide Duibhe,” agus bi’dh dinneir bhliadhnail aca ’n Dun-eideann. THA na stàitean a reir gach coltais, air a dhol thun air uilc air an t-samhradh so. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n chaidh mèinneadairean phennsylvania air ais gu’n obair, and deigh bhi nan tàmh air son michòrdadh a bh’ eatorra fein ’s am maighstirean, agus a nis tha àireamh mhor de ’n luchd oibreach air rathaidean iaruinn nan Stàitean an Iar nan tamh, a diùltadh an còrr oibreach a dheanamh gus an tig iad fhéin ’s luchd-riaghlaidh nan rathaidean gu còrdadh, agus a bacail do neach sam bith eile car a dheanamh ’nan àite. Tha eadar da cheud us tri cheud mile nan tàmh, ’s cha ’n eil fhios co aige stadas iad. CHAIDH dithis ghillean òga mharbhadh leis an dealanach ann an Toronto Di-luain s’a chaidh. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. DH’FHALBH soitheach á Halifax Maduinn Di-luain air a turns gu Greenland le àireamh dhaoine air bòrd a tha dol a thoirt sgriob rannsacbaidh-a-mach do’n dùthaich fhuar sin. ’Siomadh soitheach agus sgioba dh’ fhalbh riamh air a cheart thurus sin gun mhoran soirbheachadh a bhi leotha, ’s cha’n eil teagamh sam bith nach bi iad so air an aon ruith ri càch. Litir a Lunnainn. Bha an “Cruinneachadh Albannach” againn an so air an 19mh là da ’n mhios. Bha ’n là cho briagh, soilleir ’s a dh’ fhaodadh neach iarraidh agus chruinnich aireamh mhor sluaigh a dh’ fhaicinn gach cleasachd agus cluich a bha dol air aghaidh. Na measg so bha cur na cloiche, tilgeadh an uird cur car de ’n chabar, ruith, leum, ’s mar sin air aghaidh. Ach b’ iad a phiobaireachd agus an dainnsadh a tharruing a chuid bu mho de ’n t-sluagh. Bha mu choig mile a lathair agus moran de na daoine agus na gillean oga air an eideadh leis an fheile-bheag. Anns a “chath-tharruing” thug na Gaidheil gu furasda buaidh air na Goill, agus cha riug mi leas a radh gu ’m b’ iad mo roghainn a bha ’n uachdar. Chuinnic mi litir Ghaidhlig bho Siam ann am paipeir naigheachd Gaidhealach o chionn ghoirid. Chur mi an aireamh mu dheireadh a fhuar mi de “Mac Talla” a dh’ ionnsuidh a Ghaidheil ghasda ’sgriobh i, agus dh’ iarr mi air facal no dhà chur thugaibh nuair a gheibheadh e cothrom. ’S e Mac Ille dhuibh is ainm dha. Anns an litir so tha mi cur ordugh airson £3 10s gu 13 aireamh de ’n phaipeir a phaigheadh airson bliadhna eile. Bithidh sibh cho math ’s gu ’n cur sibh iad a dh’ionnsuidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so. Air eagal ’s nach d’ fhuar sibh an litir a sgriobh mi air an 12mh là de’n Cheitein tha mi nis a cur thugaibh an “Comhradh” a dh’ aithris dithis bhalach oga aig a chomh-sheirm air an tritheamh là de ’n mhios sin. Iun, 27, ’94. CABAR FEIDH. THA duin’ òg a mhuinntir Toronto a fhuair àithne o chionn ghoirid fuireach cuibhteas tigh na Pàrlamaid ’an Ottawa. ’S e choisinn sin dha a mhi-mhodh fhéin. Bha e air lobhta ’n taighe aon latha ’s bha e tilgeil rudan air feadh an t-sluaigh. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost &Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Gllios & MacEachuinn Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE HEARN & HEARN, Fir-Tagridh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. Hearn. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 13] [Vol. 3. No. 2. p. 5] NAIDHEACHDAN THA ’n amhach-ghoirt ann an Nuadh Ghlaschu. Chaochail àireamh leatha cheana. THUG tigh na cuspuinn ’an Sidni a stigh gle fhaisg air ochd mile fichead dollair air a mhios a dh’ fhalbh. THA cuid a’ deanamh dheth gu’m bi ’m bàrr anns an dùthaich so na’s fhearr am bliadhna na bha e o chionn chòig bliadhna fichead. CHAIDH gille beag le Iain Thompson, an Gleann-comhain, Ont. a mharbhadh le breab a thug each dha maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh. THA méinnean-guail Cheap Breatuinn a deanamh gu math air an t-samhradh so. Air a mhios s’a chaidh bha fichead mile dollar air a phàigheadh do ’n luchd-oibreach anns an “International.” CHA robh a fhras chlach-meallain a thuit Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh ach mu mhile air leud, ach bha i gu math fada. Chaidh moran uinneagan a bhristeadh’s gach àit an robh i. Rinn i droch mhilleadh air craobhan-meas. CHAIDH fear Uisdean Grannd a mhuinntir a Bhras d’ Oir mhoir a mharbhadh ann am méinn òir ’an California, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e mu sheachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bha ’athair, Donnacha Grannd, air bhàthadh aig a Bhras d’ Or a dha bhliadhna ’n t-samhraidh so. CHAIDH an soitheach-smùid, “Louisburg,” a tha ’giulain guail eadar Sidni us Montreal, air grunnd aig a bhaile sin air an t-seachdain s’a chaidh. Cha’n eil coire sam bith air a chur air a chaiptean no air na h-oifigich air son sin. Thatar a nis ’ga càradh, agus bidh i air a cuairt abhaistich ’an ùine gun bhi fada. BHUAIL soìtheach Eadailteach agus soitheach Ruiseanach ’na chéile air a Mhuir Dhuibh Maduinn Di-luain s’a chaidh, agus chaidh an soitheach Ruiseanach dh’ an ghrùnnd. Cha robh air an sàbhaladh ach àireamh bheag dhe na bha air bòrd. Thatar a deanamh a mach gu robh mu thri fichead air an call. THAINIG soitheach a stigh gu Sidni a Tuath an deigh tighinn á port ’an ceann a a deas America. Air a turus bhrist am Fiabhrus Buidhe mach, agus chaochail fear dhe na h-oigfiich leis. Bha dithis no triùir eile tinn ach bha iad air a dhol am feabhas mu ’n d’ ràinig iad an dùthaich so, agus a reir coltais, bha ’n soitheach cuibhteas am fiabhrus gu buileach. THA baile Halifax an deigh lagh cruaidh a dheanamh a thaobh nan con. Tha aig gach duine aig a bheil cù, ri fhaicinn gu bheil ’ainm ’sa choltas air a chur sios air leabhar cléirich a bhaile, tha colair ri chumail mu ’amhaich, agus tha da dhollar ’sa bhliadhna de chis ri bhi air a phàigheadh air a shon. Ma gheibhear an cù air an t-sràid gun ’cholair air, faodaidh fear-gleidhidh a phuinnd breth air ’sa chreic. Tha C. H. Harrington an dràsda ’creic soithichean creadha agus gloine dhe gach seorsa. CHUIREADH dithis iasgairean a mhuinntir Nobha Scotia an greim am Baddeck an la roimhe air son a bhi marbhadh éisg le dynamite anns an Amhuinn Mheadhonaich. BHA soitheach-smùide air a cur na piosan faisg air Kamloops, B. C., an la roimhe. Spraidh an goileadair aice. Bha dithis dhaoine air am marbhadh. THA searmon Gàilig ri bhi anns an eaglais Bhaistich’an Sidni a Tuath aig cairteal gu ceithir am màireach. Bidh an t-Urr. Mr Mac Gilleain à Chicago air ceann na seirbheis. Tha àireamh bhliadhnaichean o nach robh searmon Gàilig sa bhaile sin roimhe. Bha fear, Tearlach Knight air a bhàthadh aig Soriris, E. P. I., o chionn ghoirid. Bha e mach a snàmh agus dh’ ionndraineadh e, agus fhuaradh a chuid aodaich air a chladach ’s an cù aige toirt an aire dhaibh. Fhuarach an corp an ùine ghoirid. Dh’ fhàg e bean us triuir chloinne. GHABH drochaid a tha eadar méinn an Reserve us Sidni teine aon lath’ air an t-seachdain s’a chaidh agus chaidh a losgadh. Chaidh na carbadan guail thairis oirre beagan mhionaidean mu ’n do thuit i. B’ e ’n t-iongatas gu ’n d’ fhuair iad seachad gun sgiorradh sam bith. THA àireamh mhor de mhuinntir an eilean so a tilleadh dhachaidh as na Staitean air an t-samhradh so. Di-luain s’a chaidh bha deich carbaid làn de luchd-turuis an ceangal ri earball an eich-iaruinn a tighinn cho fad ris na “Narrows,” agus thug e ochd dhiubh gu Sidni. Cha b’ àbhaist a bhi ’gar ruigheachd ach a dha. THA sinn duilich e bhi againn ri rinnse mu bhàs Ghilleasbuig ’Ic Phàil a chaochail ’am Malagawatch, air an 27mh la dhe’n og-mhios. Bha e na dhuine measail aig na h-uile bha eòlach air, na dheagh sgoilair agus geur-fhiosrach air gach mi ’bha dol air adhart air feadh an t-saoghail. Dh’ fhàg e bantrach agus teaghlach lag na dheigh. CHAIDH an soitheach-smùid “Haverton,” a tha ruith eadar Sidni a Tuath us Montreal fordha faisg an Quebec an la roimhe. Bha àimhreit eapar an caidtean agus na seòladairean, agus tha cuid dhe’n bharail gu’m b’ iad na seòladairean a tholl i. Bha ’n t-uisge da fhichead troigh a dhoimhnead far ’n do thòisich i ri dhol fodha. CHAIDH tigh Choinnich ’Ic Gillinnein, aig na Narrows Bheaga, na theine Di-sathairne s’a chaidh, agus bha e air a losgadh gu làr. Bha e fhèin ’sa bhean aig an àm ag obair pios o’n tigh, agus cha d’fhuair iad fios mu’n teine gus an robh e tuilleadh us anmoch. ’S i nighean bheag, aois shia bliadhna, a thug an aire dha ’n toiseach, agus ruith i stigh cho luath ’s a b’ urrainn dhi ’s thug i mach pàisde b’ òige na i féin a bha ’na chadal anns a chreathail. Cha d’ fhuaireadh ach gle bheag dhe ’n aodach ’s dhe ’n àirneis a shàbhaladh. THA e gu math coltach gu’m beil bliadhna mhath air thoiseach air Canada. Tha gach seòrsa bàrra anns gach cearna dhi cho math no na’s fhearr na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean. Chaidh mise leigheas o chuing le MINARD’S LINIMENT. Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE. Leighseadh mise o lòine le MINARD’S LINIMENT. Mahone Bay. IAIN MADER. Leighseadh mise o chas ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Bridgewater. IOSUA WEGNACHT. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan. [TD 14] [Vol. 3. No. 2. p. 6] COMHRADH eadar Domhnull Mac Aoidh agus Alasdair Hepburn aig a chomh-sheirn Ghàidhlig an Lunnairnn air an treas là de ’n chéitein. DOMHNULL.—An e so thu féin Alasdair? Be sin an leigheas air sùilean gorta sealladh fhaighinn dhiotsa, càit an robh thu ga d’ fhalach fhéin o chionn fhada? ALASDAIR.—Cha ’n iongantach leam thu sin fhaighneachd ach, fhir mo chridhe! cha b’e cion toile ach cion comais a chum mise gun sgriob a thoirt ’na do rathad fad a gheamhraidh, oir cha ’n eil ni sam bith a bheir urrad de thoileachas dhomh ri bhi cluinntinn uat mar tha gnothaichean Gàidhealach a dol air an aghaidh. D.—Cha’n eil moran agamsa r’a innseadh dhut a bharrachd air na chitheadh tu ’s na paipeirean naigheachd. A.—Ged is math na paipeirean-naigheachd cha ’n àbhuist domhsa ’bhi creidsinn na bhitheas annta air uairibh; chuala tu an sean-fhacal. “Cha dhiult peann breug.” D.—’S fior am facal e; ach, bho ’n a thachair dhuinn bruidhinn air paipeirean-naigheachd, am beil fios agad gu ’m beil a nis paipeir seachduinneach air a chur a mach anns a Ghàidhlig gun fhacal Beurla bho thoiseach gu dheireadh. A.—Am beil gu dearbh! Mata ’s mi tha toilichte chluinntinn; ach c’ ainm a th’ air agus c’ àit am beil e air a chur a mach? D.—’S e ’s ainm da “Mac Talla” agus tha e air a chlo-bhualadh an Ceap Bhreatuinn. A.—An Ceap Bhreatuinn, thall an America! ’S iad Gaidheil Chanada na seoid; mo bheannachd aca! tha iad a cur na seann dùthcha gu nàire biuleach. Am beil “Mac Talla” r’a fhaotainn sa bhaile so? D.—Cha ’n eil, ach ma chuireas tu d’ ainm a dh’ionnsaìdh an Fhir-deasachaidh cuiridh e thugad e troimh ’n phost na h-uile seachduinn. A.—Cuiridh mi ga iarraidh gun dàil oir cha ’n ’eil e ach ceart gu ’n rachadh na h-uile misneachadh a thoirt do ’n fhior Ghaidheil a tha deanamh na h-oidhirp so. Nach bochd an gnothaich e nach eil paipeir Gaidhlig idir againn san dùthaich so féin? ’S cinnteach nach eil ar càinnt cho marbh ’s nach b’urrainn duinn a leithid a chumail suas. D.—Cha robh a Ghàidhlig riamh ni ’s beothaile na tha i an diugh, agus tha iomadh neach coltach rium fhéin a bhitheadh ro dheonach air ni-eigin de ’n t-seorsa chur air chois nan robh an t-airgead aca, oir cha ’n ann gun chosdas a theid paipilr a chlo-bhualadh, ach mar is trice, chi thu gur iad na Gaidheil as fearr is aithne dhut air an lugha tha cus aiugid a cur dragh. A.—’S ann agad a tha ’n fhirinn; ’s minic a ghabh mi beachd air cho gallda ’s a dh’ fhasadh muinntir nuair a rachadh aca air beagan beartais a chur cruinn; cha ’n fhoghnadh an sin ach cùl a chur ris gach deadh chleachdadh a bh’ aig an sinnsir agus an cinn a phuthadh ri nithe mòra. D.—B’fhearr dhaibh gu mor ni eigin anns am bitheadh beagan feum a dheanamh le ’n cuid maoin, ge be cho beag ’s a dh’ fhaodadh e bhi. Nis nach mor am maith a b’ urrainn neach aig an robh beagan ri sheachnadh a dheanamh, le cuid de na seann leabhraichean Gáidhlig a chol-bhualadh as ùr agus a chur a mach aig pris cho iosal ’s gu ’n ruigeadh na h-uile orra? A.—Bhithéadh sin da rireadh na dheadh dhoigh air cothrom a thoirt do ’n t-sluagh air eolas fhaotainn air litreachas nan seana Ghaidheil agus shaoileadh tu gu ’m bu ghnothaich e anns nach bu chòir call sam bith a bhi gu h-araidh san là ’n duigh, nuair a tha Ghaidhlig air a teagasg anns na sgoilibh, agus mar sin aireamh ni ’s mo comasach air a leughadh. D.—Feuch mata ma thachaireas Gaidheal sam bith ort aig nach eil fhios ciod a ni e le chuid airgid gu ’n sanais thu so na chluas. A.—Na bitheadh eagal ort gu ’n di chuimhnich mi sin; ach thoir sùil air an uaireadair; Bu choir domhsa bhi leathach slighe dhachaidh, feumaidh mi tighinn air ais gu h-aithghearr a dh’fhaighinn tuilleadh de do naigheachd. Oidhche mhath leat. D.—Mar sin leat fhein agus moran taing dhut airson do cheilidh. CABAR FEIDH. Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar-eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor. Leighsidh Minard’s Liniment Breac. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 15] [Vol. 3. No. 2. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 3.) Ghàidheal ’n ar companaich; gheobhar gu tric mo dhealbh air a ghearradh air cùirn ’s air tuir na h-Eiphid.” “Gu dearbh chunnaic mi gu tric e air a ghearradh air àrd-dhorsan shaibhlean air a’ Ghalldachd,” os an sionnach ’s e cur braoisg air fhein. “Tha thu ’d dheagh bhan-sgoileir, a bhan-ghoistidh. Is aithne dhòmhsa rud no dhà mi fhein, ach is eudar dhomh aideach nach eil mi ’m sgoileir—is gnothaichean an t-saoghail is mò tha tighinn fosnear dhomh—is fear mi a tha tighinn suas air mo luim fhein—duine-uasal bharr na dùthcha, mar gu’n abradh tu.” “Is ann a’ fochaid air a’ sgoileireachd,” os a’ chomhachag, ’s fàite fanaid air a h-aodann àidh. “Bithidh, a cheist, an uair bhios mise ri sgoileireachd air feadh nan cearc ’s nan coileach air an spiris,” os an sionnach. “Ach coma, is bochd nach ’eil sgoil agad: na ’m bitheadh bheireadh an déile so os mo chionn beagan fiosrachaidh dhut.” “Dé tha i ’g ràdh,” os an sionnach. “Cha’n urrainn domh leughadh ri solus an latha,” os a’ chomhachag, ’s chaidh i ’s a’ mhiananaich air a h-ais do chos na craoibhe a chadal gu feasgar. “Plumbas buntàta air a dubh fhacail b’e sin é,” os an sionnach ’s e sealltainn suas ris an ròcas. “Saoil, nach ann a tha phròis ’n ar ban-choimhearsnaich! cha b’ ionghnadh leam ach i—ag gabhail oirre gliocas an t-saoghail a bhi aice—clod-cheann dall na caillich-oidhche—gu dearbh na ’n abradh i na ròcais.” An uair a bha an conaltradh so a’ dol air adhart eadar na càirdean ud, bha an damh gu soimeach ag iche an fheòir ’s an losgann a’ dùr-bheachdachadh air le leithid de dh’eud ri ’mhiadachd ’s gu ’n spùtadh e nimh air na ’m b’ urrainn da, agus gu ’n sgàineadh e le neart farmaid mur-bhith nach robh sin ’n a chomas. Bha ’n t-uainein gun fhiamh, gun amharus, ’n a shineadh ri taobh a’ mhadaidh-allaidh; a thaobh gu ’n do ghabh esan a shàth dhe mhàthair cha do ghabh e fhathast gnothach ris. Ach coma, bha laiseadh a’ tighìnn ’n a shùilean ’s toiseach aige air ’fhiaclan a chasadh agus dh’ éirich gurt us greann air ri cuimhneachachadh gu’m b’ fhéairrde e uain-fheoil gu shuipeir. “A! nach mor na sùilean a th’ agaibh,” os an t-uan ’s e ’s a’ mhéilich. “Is ann is fhéarr a chi mi thu, éudail.” “A! nach mòr na tuisg a th’ agaibh.” “Is ann is fhearr a dh’ ich—.” Mu ’n robh am facal uile mach as a bhial, thainig an ràn déistinneach ud air feadh na cuithe, ’s chlisg gach beò a bh’ innte leis an eagal. Ciod a bha ’n so ach asal a fhuair fàth le tubaist air choir-eiginn, air boiceann leòghainn a chur uimpe, agus a’ tighinn ’n a still a stigh air bealach a bh’ air a’ ghàradh us daoine ’s clann ag cur rithe le maideans le gunnaichean. An uair a chuala am madadh-allaidh an raoic a rinn an asal a bha ’m boiceann an leòghainn, shaoil leis gur h-e righ mòr an fhàsaich e fhein a bh’ ann, ’s thug e as cho luath ’s a leigeadh a dheise leis. An uair a chual an damh an fhuaim thug e le clisgeadh cuibhleadh roimh ’n lub, agus saltrar air an losgann, a bha ’g a dhubh-chàineadh, ’s cairear a chnaimhean air a chéile. An uair a chunnaic an ròcas daoine a’ tighinn le gunnaichean, ghrad-leig e as a’ mhulchag ’s ghabh e na sgiathan. An uair a chunnaic an sionnach a’ mhulchag a’ tuitean, thug e ’g a h-ionnsuidh—dh’ aithnich e raoic na h-assail—agus, ’s an leum a thug e tuitear an gòisinn agus caillear an t-earrball ris. B’ eudar dha riamh tuille an saoghal imeachd as ’aonais, ag gabhail air, a’s droch-uair, gu ’n deachaidh na h-earrbail as an fhasan, agus gur h-ann bu mhisde na sionnaich orra iad. Anns na cuir a bh’ ann thàinig balachan ’s leadair e an asal le bata gus an robh i ’s an raoicil aig. Cha b’ urrainnam madadh-allaidh mòr-chabag a dhianamh leis gu ’n deach craiceann na caora mu chasan, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug fear do na daoine an aire dha ’s gu’n do thilg e e. An uair a dh’ fhairich a’ chomhachag a’ bhodhar-fhuaim a bh’ ann chaidh i ’n a breitheall, ’s leis a’ bhoile leum i à còs na craoibhe ’s buailear i am buachaille an clàr an aodainn, agus mharbh e i le cuaille bata. Thàinig ’n a àm fhein am feoladair agus thug e leis an damh ’s an t-uan; agus fhuair an tuathanach an t-earraball ’s ’a ghòisinn, agus chuir e am bràigh an teintein e, ’s cha robh duine thigeadh air chéilidh air, nach innseadh e dha am mìomhadh a fhuair e ag cur gu bàs an t-sionnaich. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 16] [Vol. 3. No. 2. p. 8] Oran do Mhac-Leoid Dhunbheagain. LEIS A CHLARSAIR DALL. AM BARD.—Gur h-i ’n t-saighead tha’m chre A dh’fhag treoghaid mo chleibh cho goirt, Aig na rinn mi ’ad dheidh ’S mi ’n diugh ’siubhal leam fein gun toirt, Gun robh mis’ air do thoir, ’S bha mi ’m meas gun robh còir agam ort, A mhic athar mo ghraidh;— B’ esan m’ aighear is m’ agh, ’s tus’ m’ olc. Chaidh a chuibhle mu ’n cuairt, Agus thionndaidh gu fuachd am blaths, Naile chunnaic mi uair An Dun rathail nan luaidh a bha Ard cho-chruinneach’ an t-sluaigh ’Cur ri mathas gun chruas, gun chas; Dh’ fhalbh an latha sin uainn Is tha ’n talla gu fuaraidh fas. Tha Mac-Talla fo ghruaim Dh’ fhag e ’m bail’ am biodh fuaim a cheoil; Ionad tathaich nan cliar Tha gun aighear, gun mhiagh, gun doigh, Tha gun mhire, gun mhuirn, Tha gun iomrachadh dluth nan corn, Gun chuirm pailtis ri daimh, Is gun mhacruis, gun mhanran beoil. Dh’ fhalbh Mac-Tall’ as an Dun, ’N uair a thanig oirnn diu nan triath, ’S ann thachair e rium ’S e air seachran air cul nan sliabh. MAC-TALLA.—Labhir esan air tus, Reir mo bheachd-sa gur tu ’bha riamh, Am measg cuideachd na muirn, Gus an uiridh an Dun nan cliar. AM BARD.—A Mhic-Talla nan tur, ’S math mo bharail gur tu a bha Ann an aros nam fiann A comhaithriseadh gniomh mo lamh. MAC-TALLA.—’S ceart do bharail: gur mi Is bu deacair dhomh fhin ’bhi ’m thamh ’G eisdeachd brosluim gach ceoil, Ann am fochair Mhic-Leoid an aigh. ’S mi Mac-Tall’ a bha uair ’G eisdeachd faruinn nan duan gu tiugh, Far ’m bu mhuirneach am beus An am cromadh do ’n ghrein ’san t-sruth; Far am b’ fhoirmail na seoid, ’S iad gu h-oranach, ceolmhor, cluth; Ged nach faicteadh mo ghnuis Chluinnteadh leotha ’san Dun mo ghuth. ’S mi Mac-Tall’ a bha ’thamh ’S an aitreamh ’n robh gradh nan cliar, An triath tighearnail, teann, Is an cridhe gun mheang ’na chliabh. Thug e speis d’a thir fein, Cha do chleachd e Duneideann riamh; Dh’ fhag e ’m bonnach gun bheum, ’S b’ fhearr gun leanadh ’na cheum a shiol. ’N am bhi ’g eiridh gu moch Ann san teaghlach gun sproc, guu ghruaim, Chluinnteadh gleadhraich nan dos Is an ceile nan cois o ’suain. ’Nuair a gheibheadh i ’lan ’S i gun duisgeadh an àird an sluagh, Le meoir fhileanta ghrinn, ’S i gu ruith-leumnach, binn ’sa chruaich. Bhiodh a rianadair fein ’Cur an ire gur h-e ’bhiodh ann, ’S e ag eiridh nam measg Is an eighe gu tric na cheann. Ged a b’ ard leinn a fuaim, Cha tuairgneadh e sinn gu teann, Chuirteadh tagradh am chluais Le h-aidmheil gu luath ’s gu mall. An am gabhail mu thamh Gum biodh furtachd ’san fhardaich reidh; Dhomhsa b’ fhurasd’ a radh Gum bu chuireideach gair nan teud; Iad fo iomairt do lamh ’Cur am binneas do chach an geill; ’S gun bu shiubhlach am chluais Modhan luth’ar do luasgan mheur. Ann san fheasgar an deidh Am teasa na grein’ trath-noin, Bhiodh fir-chneapain ri clair ’S manai a feagairt a ghnath ’cur leo. Bhiodh da chomhairleach ghearr A dian labhairt ’s gum b’ ard an gloir; Is bu thitheach an guin Air na daoine gun fhuil, gun fheoil. Gheibhteadh fleasgaich gun sgraing Ann san talla le gradh gun fhuath, ’S oighean grinne ’n fhuilt reidh Air an urlar le cheil’ a gluas’d, Iad le ceileiribh beoil ’Dannsadh iollagach, ordail, suairc’, Is fear-bogha nan coir A cur meadhail a mheoir nan cluais. AM BARD.—A Mhic-Talla so ’bha Ann sa bhail’ ’an do thar mi m’ iul, ’S ann an nis duinn a’s leir Gu bheil mis’ is tu fein air chul. ’Reir do chomais thoir sgeul On ’s fear-comuinn mi-fein is tu; ’N robh do mhuinntireas buan Aig an dream sin do’n dual an Dun? ’S fiosrach mis’ air gach am, ’S mu gach aon diu a bh’ ann o thos. Cait am faicteadh air chuairt Ceanna-cinnidh ’thug fuath cho mor Do dh-fhaoin mhor chuis nan Gall? ’S gun an sporan ’bhi gann de dh-or. Tighearnan Eilg’ is Chlar-Sgith Cha bu bhacadh dhaibh diobhail stoir. Bho linn nan linntean bha mi ’S mi mar aon duin’ a thamh sa chuirb, ’S theireadh iomadh Mac-Leoid Nach robh uireasbhuidh eolais duinn; Ach cha n-fhaca mi riamh, Gun taoitear, gun triath an Dun, ’S e na fhasach gun fheum, Gus na laithean so fein bho thus. AM BAIRD.—Bhon a thanig ort aois Tha ri radh gur a baoth do ghloir; Cha n-e fasach a th’ ann, Ged a tha e ’san am gun lod. Is air taoitear ’s beag fheum, ’S og thighearna fein ’na lorg, ’S e ri ’fhaotuinn gun fheall ’Cur ri baoithe an ceann luchd-chleoc. (Ri leantuinn.) Leighsidh Minard’s L’ment Crosdachd. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. [TD 17] [Vol. 3. No. 3. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 21, 1894. No 3 SGEUL AIR BOCHDAN. Air taobh a tuath Amhuinn St Lawrence, eadar Siorramachdan Ghlinn-Garraidh us Stormort, tha stiall chaol fearainn, mu fhichead mile ’dh fhad, agus mu dha mhile ’leud. Bha am fearann so an toiseach air a chur air leth dha na h-Iroquois, tréibh Innseanach a bha aig an àm sin a deanamh an còmhnuidh air na h-eileanan mora th’anns an amhuinn mu choinneamh nan Siorramachdan a dh’ ainmicheadh. Riamh uaithe sin theirear mar ainm ris an stiall so “fearainn Innseanach,” agus bha e air àiteach mu cheithir fichead bliadhna air ais le daoine thainig a mach á Siorramachd Pheart an Alba. Mar a rinn na Gàidheil uile ’nuair thainig iad air imrich, thug an sluagh so an cleachdaidhean féin thar a chuain sgus lean iad riutha ann an tomhas mor no beag riamh uaithe sin. B’ àbhaist dhaibh a bhi dol air chéilidh air a chéile cho tric ’sa b’ urrainn daibh, agus ’n uair a chruinnicheadh iad mu chlach-an-teinntein oidhche fhada fhuar gheamhraidh b’e ’n seanchas, a bhiodh aca mar bu trice, sgeulachdan a bha air an aithris leis gach ginealach dhe’n sinnsir o làthean Oisein a nuas,—euchdan Uilleim Ualais us Raibeirt Bhruis,—beul-aithris nan seanairean a thaobh nam blàra fuilteach a bhiodh gu tric aig na fineachan Gaidhealach ’nam measg fein,—agus na h-uile ni iongatach a a bha air fhàgail air Seòras Buchanan, co-dhiu rinn no nach d’ rinn e iad. Agus am measg gach sgeul eile bhiodh aca, cha robh dearmad ri dheanamh air na bòchdain ’s air na daoine sithe. Bha sean us òg, mar so, air an cumail ann an dlùth-cheangal ris an dùthaich as an d’ fhalbh iad, ’s air am misneachadh ’s air an nearteachadh gach latha le bhi cuimhneachadh air na daoine o’n d’ thainig iad. Tha na paipearan naigheachd ’s na leabhraichean a gheobhair an diugh cha mhor an nasguidh, an deigh cur as do chleachdaidhean nan làithean sona ’dh’ fhalbh. Cha’n anineamh leinn a nis sliochd Ghàidheal fhaicinn aig nach eil fhios de chearna dhe’n Ghàidhtachd anns an d’ fhuair an fheadhainn o’n d’ thainig iad am breith ’s an àrach. Tha mi tighinn thairis air so air son ’s gu’n tuig an luchd-leughaidh mosgeul na’s fhearr. Tha rathad mòr a dol troimh ’n fhearann Innseanach o cheann gu ceann, agus tha eaglais us cladh mu’n cuairt dhi mu leth-cheud troidh o’n rathad. Pios beag a deas air an eaglais tha tom coille còrr us mile ’leud. Aon oidhche reòta ’sa gheamhradh, chaidh duine, ’bha fuireach a deas air an tom choille sin, air chéilidh air cairide dha a bha mu leth-mhile tuath air an eaglais. Bha ’n duine còir sin loma-làn de sheann sgeulachdan ’s de gach seòrsa ròpraich mu bhòchdain ’s mu shithichean ’s rachadh aige air an aithris ann an deagh Ghàilig. Air an oidhche so lean e orracho fada ’smu’n d fhuair fear na céilidh air falbh uaithe gu robh e meadhon oidhche. ’N uair fhuair e mu dheireadh thall an tigh fhàghail, bha oidhche cho àluinn am muigh ’sa chunnaic e riamh; bha ’ghealach làn, bha’n t-athar gorm gun sgòth, ’s na fir-chlis a’ leumadraich ’san àirde tuath ’s ’gan sgaoileadh féin gach rathad, ’s iad air dath cho dearg ’s gu robh ’n sneachda ’bha còmhdach an làir ag atharrachadh dreach, ’s ag ath-thilgeil an t-soluis air ais ’s air adhart. Agus còmhla ris gach mi eile bha sgiath-runnaig an dràsd ’sa rithist ri faicinn a’ cur réis tre’n speur. ’N an robh dithis no triùir air a bhi am mach cha chuireadh coltas na h-oidhche athadh ’sam bith orra, ach ’nuair nach robh aig an duine so ach e fhèin, agus sin an deigh dha bhi ’g éisdeachd ri sgeulachdan mu bhòchdain ’s mu shithichean, agus aige ri dhol seachad air cladh anns an robh càirdean us luchd-eòlais a’ cadal a’ chadail dheireannaich, ’s beag an t-ioghnadh ged a bha nàdar de sgian air, ’s ged a bha e clisgeadh a h-uile uair a chluinneadh e an sneachda a diosgan fo ’chasan. ’Nuair bha e direach aig a gheata a bha fosgladh dh’ionnsaidh na h-eaglais, chual e fuaim uamhasach anns a chladh a thug air a chridhe leum, fuaim mar gu’m biodh neach-eigin ’ga thachdadh ’s ’ga shior thachdadh. Sùil gu’n d’ thug e ’n rathad a bha ’m fuaim sin a tighinn, agus de chunnaic e ach seann chailleach na h-aodach mairbh a falbh air a màgan ’sa ’deanamh direach air a gheata. B’e aon sùil fhéin a thug e; cha d’ fheith e ris a chòrr, ach thug e na buinn dhi. Cha b’ urraim dha tilleadh gu taigh air an robh e air chéilidh, oir bhiodh a chailleach aig an rathad an thoiseach. ’S e chuir e roimhe feuchaim ri tigh nàbuidh eile thoirt a mach a bha fuireach air frith-rathad a bha fàgail an rathaid mhoir mu mheadhon na coille. Ruith e cho cruaidh ’sa dheanadh a chasan dha, ’s ruith am bòchdan na dheigh, ’s chluinneadh e ghuth tùchannach, tachte an dràsda ’sa rithist. Fhuair e co-dhiu a choille thoirt am mach ’s leis a chabhaig anns an robh e ghabh seachad air an rathad air an robh duil aige dhol agus b’ fheudar cumail roimhe, ’sa dhearg nàmhaid am bochdan air a shàil. ’Nuair a bha e gu tuiteam as a sheaamh leis an eagal ’s leis an sgios, thachair each us sleighe air. Chuir an duine bh’ anns an t-sleighe fàilt air, ach cha do fheagair esan thall no bhos ach thuit e ann an niall, agus bha e tacan math gun dùsgadh. ’Nuair a thainig e thuige fhèin, gu de b’ iongataiche leis na ’m bòchdan fhaicinn na sheasamh ri taobh na sleighe, ’s nach robh ann ach muc. DIARMAD. [TD 18] [Vol. 3. No. 3. p. 2] AM PIOBAIR AOSDA AGUS A PHIOB. Tha eachdraidh ar dùthcha a’ leigeadh ris duinn iomadh ni iongantach a thachair an uair a bha na fineachan ag eiridh an aghaidh a’ cheile, agus an uair a b’ iad na claidhean, mar bu trice, a dheanadh suas an reit eatorra. Bha na h-amanna sin gun teagamh, fuasgailte, lasach, agus buaireasach; agus cha b’ urrainn neach e fein fhaicinn tearuinte a là no dh’ oidhche, a thaobh nan aimhreitean a bha do ghnàth mu ’n cuairt da. Cha robh na cùisean gu mòr air an ath-leasachadh ri linn cogannan nan Stiùbhartach. Nach mòr an odhail agus an upraid a bha air feadh gach cearnaidh dhe ’n Ghaidhealtachd ann am bliadhna Thearlaich, an uair a bha fineachan tréun air a thaobh, agus fineachan ceart cho tréum ’na aghaidh? Bha ’n dùthaich air a roinn agus air a buaireadh agus bha cairdean agu luchd-dàimh air an tarruing gu bhi nàimhdeil ri chéile. Rinneadh spàirn ro chruaidh chum na Stiubhartaich a shuidheachadh air an rìgh-chaithir, ach dheònaich am Freasdal a chaochladh, agus tha aobhar againn a bhi taingeil a thaobh sin. O na h-amanna fuilteach sin thàinig iomadh caochladh mu ’n cuairt chum na cumhachdan a ta ’riaghladh os ar ceann a chomh-dhaingneachadh air an righ-chaithir, agus chum dòchas nan ceannairceach a smàladh as gu bràth. Cha’n ’eil teagamh nach robh càirdean Thearlaich lionmhor, dileas, agus cumhachdach. Am measg chàich bha am piobair aosda, air an toirear a nis gearr-iomradh. Bha e ’na charaid dian, agus dileas do ’n Phrionnsa. Bha e ’na là gus na linn fein comharraichte, cha ’n e mhàin air son a neart, agus a thréubhantais ach mar an céudna air son an fheabhais leis an cluicheadh e a’ phiob-mhòr. B’ aon de chloinn Sgéulaich e, Iain Mac Griogair, a rugadh ’sa bhliadhna 1720, ann an Fatrichill, ann an siorramachd Pheirt far an robh a shinnsear cliùteach ré iomadh linn, mar na piobairean a’s fearr ’san dùthaich air fad. Bha clann Sgeulaich ceart co iomraiteach sna lìnntibh a dh’ fhalbh ri cloinn Mhic Criomain Dhùnbheagain, no ri cloinn Mhic Artair, piobairean Mhic Dhomhnuill nan Eilean. Bha Ian MacGriogair ’na dhuine tapaidh, tréun agus bu tearc e r’a fhaotuinn a chuireadh a dhruim ri talamh. Bha spéis gun tomhas aige do’n Phrionnsa, agus ceart cho luath ’sa chàraich e a chos air mòr-thìr na h-Alba, ghrad thug Ian leis a’ phiòb-mhòr do Glheann Fhionghain air agus chuir se e fein fo bhrataich Thearlaich Oig. Cha b’ fhad air an laimh eile, gus an robh mòr-thlachd aig a’ Phrionnsa dha, agus cha dealaicheadh e ris ’na chuairtibh anns gach àite. Chumadh e còmhradh càirdeil ris a’ phiobair bhochd, agus dh’ iarradh e a chomhairle anns gach cùis. Cha robh, gidheadh, ach eòlas ro bheag aig Iain còir air a’ Bhéurla, agus cha b’ urrainn da comhradh freagarrach a dheanamh ris a’ Phrionnsa. Ach cha b’ fhad gus an d’ rinn Tearlach gréim air earrannaibh sònraichte dhe ’n Ghaelig, agus an trà ’sa rìs, ghlaodhadh e ris a’ phiobair,—“Séid suas do phiob, Iain.” An uair a chaidh Tearlach a steach do Dhùneidin, agus an uair a theich Cope agus a mharc-shluagh aig Prestonpans ghlaodh am Prionnsa gu cruaidh, cabhagach, “Séid suas, séid suas do phiob, Iain.” Chaidh am piobair bochd anns an ruaig gu Derbi,—bha e ’lathair ’san Eaglais-Bhric, agus aig séisd Chaisteil Shrìghlaidh,—agus mu dheireadh ag faiche mhi-shealbaich Chuil-fhodair, far an d’fhuair e an sealladh mu dheireadh de ghnùis thlà a’ Phrionnsa. An deigh iomadh déuchainn agus cruaidh chàs, phìll MacGriogair air ais gu sgìreachd a bhreith, far an robh e gu là a’ bhàis. Bha ceathrar mhac aige, agus ochdnar oghaichean, agus bu phiobairean air fad iad. Ach dhe ’n àireamh so gu léir cha bheò an diugh ach a h-aon. Bha ’phiob chéudna leis an do dheachd Mac Griogair misneach agus spiorad a chuid companach anns a’ chath, aig ogha dha, Iain Mac Griogair eil, a chaochail ann an Druimcharaidh, ann an sgireachd Fhautrichill o cheann beagan bhliadhnaichean air ais, mu cheithir fichead a dh’ aois. Bha e ’na dhuine stuama, measail, agus cliùiteach, d’ an robh mòr-spéis aig a luchd-eòlais gu léir. Bha ’n t-seann phiob ann an deagh ghléus agus òrdugh, an uair a chaochail Mac Griogair, agus goirid o la a’ bhàis, bha e ’na shòlas da’ chridhe a bhi ’ga séideadh suas, an uair a bha eadhon an anail goirid. Ach tha i fathast a làthair aig Diuc Athol ’na chaisteal fein ann am Blàr. Cha ròbh aice riamh ach da dhos de bhrigh nach robh an treas dos air a chleachdadh anns an h-amannaibh o ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. G. H. GUZZWELL, SIDNI, C. B. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan. [TD 19] [Vol. 3. No. 3. p. 3] shean. Bha ’n sionnsair air a chòmhdachadh le bannaibh airgid, làn sgriobhaidh ann am Beurla ’san Gaeilg. Chuir an Ridir Iain Athol Mac Griogair nach maireann, clàr leathann airgid air, leis an sgriobhadh a leanas anns an dà chàinnt:—“Bha ’phiòb so, a bhuineas do Iain Mac Griogair, piobair Dhiùc Athoil, air a cluicheadh le ’shean-athair Ian Mac Griogair, ann an cogannaibh Phrionns’ Teàrlaich Stiubhart ’sa bhliadhna 1745-6; agus chuireadh an sgriobhadh so oirre le ’Cheann-cinnidh fein, an Ridir Iain Athol Mac Griogair, ’sa bhliadhna 1846, mar chùimhneachan air obair urramuich na piòba.” Bha Iain Mac Griogair so mu dheireadh aig an robh a’ phiob ’na fhear-cluiche ro eireachdail gu deireadh a làithean. Choisinn e a’ phiob mhòr mar dhuais-cluiche ann an Dùnedin, ann am mios mu dheireadh an t-sàmhraidh 1811. Bha e ré iomadh bliadhna ’na phiobair aig Diùc Athol, agus a ris aig Mac Fhionnlaidh, Mhonaltri, agus an déigh sin aig Mac Fhionnlaidh Finghein. Chluich e ’s a bhliadhna 1813 aig co’-chruinneachadh nan uachdaran ’san Eilean Mhanainneach, aig Ceinn Thinbhailt. Bha e a’ cluicheadh air ceann nan Griogaireach ann an Dùnedin, an uair a thàinig an righ ’sa bhliadhna 1822. Bha e ’na phiobar aig Gaidheil Dhiuc Athol aig Faoin-chòmhrag Eglinton ann an 1839, agus chuireadh an t-urram air cliucheadh an làthair na Bànrighinn aig Caisteal Bheallaich. Ach mu dheireadh luidh an aois gu tròm air Iain còir. Dh’ fhàs e diblidh, fann le luchd nam bliadhnaichean a chaidh thairis air a cheann. Agus a thuilleadh air sin, dh’ fhàs e glé ghann na chuid, ’na laithibh deireannach. Chuir e litir o làimh fein dh’ ionnsuidh an Sgiathanaich air da a bhi na fhear-cinnidh dha, dh’ fhéuchuinn an gabhadh duin-uasal éigin tlachd dhe ’n t-seann phiob chum gu ’m biodh i air a gleidheadh re linntean ri teachd mar chuimhneachan air a seirbhis ’s an àr-fhaich. Chuir an Sgiathanach eachdraidh Chloinn-Sgéuluich agus na piòb anns an litrichibh naigheachd mar a rinneadh eadhon a nis, agus thàinig na h-uiread dhaoin’-uailse air an aghaidh a a bha deónach gréim fhàotuinn air a phiob, agus a bheireadh suim airgid do ’n t-seann duine chòir air a son, ach am measg chàich chuir Diùc Athol nach maireann fios gu ’n suidhicheadh e uiread ’sa bhliabhna, fhad s’ bu bheò e, air a’ phiobair aosda air son na piob. Gheall e uiread ’sa dh’ fhagadh an seann duine coir soimheach, socaireach rè uile làithean a’ bheatha. Rinn an Diùc mara a gheall, agus shìneadh laithean a’ phiobaire gu beagan bhliadhnaichean an déigh sin, a’ sealbhachadh le taingealachd teirbheartais an Diùc. Ach mu dheireadh fhuair e am bàs, agus fhuair an Diùc a’ phiob,—agus cha ’n eagal nach gleidhear tearuinte i leis an teaghlach àrd-uasal sin re linnte ri teachd.—SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal 1876. AN SIONNACH. Gheibhear an sionnach cha mhòr anns gaoh cearn do’n domhain. Buinidh a do’n aon seòrsa ris a’ mhadadh. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach, agus ’earball fad, dosach, agus breac. Tha an toll sam bheil e a’ gabhail còmhnuidh am bitheanta fo’n talamh no ann an sgeiribh chreag. Cha ’n fhàg e a gharadh gu feasgar; agus an sin théid e mach air feadh nan coillteach agus an fhearainn air son cobhartaich, agus fanaidh e am muigh gu maduinn. ’Se is biadh dha a’ mhaidheach, an coinean, cearcan agus eunlaith do gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna faimh, radain, agus luchaidh; agus tha e ro dheigheil air ùbhlaibh agus air gach gné meas. Ged tha an sionnach ro dhiùbhalach am measg eunlaith agus uan, tha e deanamh feum mòr le bhi cur as do iomadh creutair millteach agus gràineil Ann an Sasunn, agus ann an iomadh àite eile do ’n domhain, tha an sionnach a’ toirt mor-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Tha na sealgairean a’ marcach ’na dhéigh, agus ’ga ruagadh le madaibh; ach is tric a sgithicheas e nacoin, na h-eich, agus na Sealgairean; agus feudaidh e bith, an déigh dhoibh a leantuinn car leth-cheud mile, gu’n toir e an car asda m’a dheireadh,—gu’n ruig e ionad folach éigin, agus gu’n tearuinn e a bheatha. Tha an sionnach ro innleachdach chum breith air a chobhartach, agus chum a namhdean a sheachnadh. Tha so co aithnichte do gach neach is gu’n abrar mar ghnàth-fhocal ri duine carach agus cuilbheartach, “Gu bheil e co seòlta ris an t-sionnach.” ’S iomadh sgeul a dh’ innsear mu thimchioll an t-sionnaich agus mu thimchioll nan innleachdan tha e ghàthachadh a mhealladh a naimhdean. Bha aon do na creutairibh so gu tric air a dhlùth-leantuinn le madaibh, ach chaidh e as a ghnàth le bhi ruith gu mullach creige corruich, far an robh àite-tuinidh aige; agus is minic a thachair e, ’nuair a bha na madaidh an dian-thòir air, gu’n deach iad thar a’ charraig, agus gu’n do mharbhadh iad. Le bhi gabhail beachd air an àite so, fhuair an luchd seilg a mach mu dheireadh gu’n robh garadh aig an t-sionnach ann am beul eudain na carraig, agus gu’n robh e a’ greimeachadh le ’fhiaclaibh ri slait làidir a bha fàs aig taobh a thuil, agus air an dòigh so ga thilgeadh féin a steach ann. Ach tha innleachd an duine ni ’s mò na seòltachd an t-sionnaich. Ghearr na sealgairean an t-slat, agus chum an car a thoirt as an t-sionnach, dh’ fhàg iad i ’na seasamh far an robh i. An ath-uair a chaidh an sionnach a ruagadh, ruith e gu bile na carraig mar a b’ abhaist da,—rug e air an t-slat’ na fhiaclaibh, ach ghéill i roimhe, agus thuit e sios car air char gu iochdar na carraig, agus air an dòigh so reubadh ’na bhloighdibh e. Am Fitheach. Tha am ficheach ’na eun láidir agus garg: ’Se is àite-còmhnuidh dha àrd-mhonadh, far am bheil pailteas do sprèidh g’a chumail suas. Cosmhuil ris an iolair tha am fitheach a’ teachd beò air eoin bheaga, air uain, agus, feadh a’ gheamhraidh, air cairbh bheathaichean tha faotainn bàis le plàigh, le fuachd, no le gorta. ’Se an t-sùil a’ cheud ni air am bheil am fitheach a’ toirt ionnsuidh ’nuair tha e ’g iarraidh cobhartaich; agus tha e gu minic a’ dalladh chaorach le a sgiathaibh, agus an sin a’ spìonadh a mach an sùilean, agus ’gam marbhadh. Bha an cleachd so aig Solamh ’na bheachd, ’nuair a thubhairt e, “An t-sùil a ni magadh air athair, agus a ni tarcuis air ùmhlachd d’ a mhàthair spìonaidh fithich a’ ghlinne mach i, agus ithidh ha h-iolairean òga suas i.” Anns a cheann an iar de’n chuan chiùin (Pàcific) tha àireamh de dh’ eileanan a tha tigh’nn ris ’sa dol á sealladh cha’n eil fhios cia meud uair ’sa bhliadhna. Thig iad air uachdar an uisge mar gu’m biodh iad a dol a ghabhail na gréine an diugh ’a an ceann beagan lathaichean, no ma dh’ fhaoidte seachduinean, théid iad fodha rithist ’s cha bhi sgeul orra. Leighsidh Minard’s Liniment Breac [TD 20] [Vol. 3. No. 3. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 21, 1894. THA sinn a tuigsinn gu ’n do chórd Turus-cuain Chaluim ’Ic Fearghais, agus Eachdraidh Bhartimeuis, ri luchd-leughaidh a MHAC-TALLA gle mhath. Tha eachdraidh eile againn o pheann Mhurchaidh ’Ie Laomuin mu thighinn nan Gàidheal a dh’ Eilein a Phrionnsa, agus bi’dh i anns an ath àireamh. Tha na h-eachdaidhrean goiride so luachmhor ann a bhi cur solus air staid na dùthcha an am a bhi ’ga h-àiteach an toiseach, agus air cor an t-sluaigh a’ fàgail thall ’sa ruigheachd a bhos, agus ’s ann a dol na’s sior luachmhoire bhitheas iad mar a ruitheas tim ’sa bhios cuimhne ’nan bliadhnaichean a dh’fhalbh a’ dol as an t-sealladh. THA Pàrlamaid Chanada a nis air sgaoileadh an deigh a bhi ’na suidhe còrr us ceithir miosan. Shaolamaid gu ’m feudadh fir na pàrlamaid gnothuichean na dùthcha chur air dòigh ann an ùine bu ghiorra na sin, ach tha e coltach nach deach aca air sin a dheanamh. ’S e ni ’s cudthromaiche rinn iad an aonta chur ris a chòrdadh a rinneadh an uiridh eadar Canada ’s an Fhrainig a thaobh malairt. Leis a chòrdadh sin tha aig Canada ri nithean àraidh a thig as an Fhraing, mar tha fion, a leigeil do ’n dùthaich air cis na’s lugha na bh’ orra roimhe so, agus tha aig an Fhraing ris an ni cheudna dheanamh ri nithean a chuirear a null á Canada. Tha ’n darra taobh de thigh na pàrlamaid (an taobh a rinn an còrdadh so) a deanamh cinnteach gu bheil e dol a dheanamh feum mor do mhalairt Chanada; agus tha ’n taobh eile cheart cho cinnteach gu bheil e ’n àite sin a’ ’dol a dheanamh milleadh air. Se ’s coltaiche nach dean e aona chuid cron no feum cho mor ’sa dh’ fhagair air an dràsda. Agus ma bhios Canada, an ceann na bliadhna, a faicinn nach eil a cuid-se dhe’n bhargan cho math ’sa bha i ’n dùil, faodaidh i bristeadh air a chòrdadh, ’s cha bhi ’n còrr m’a dheibhinn. Agus, air an laimh eile, ma chi an Fhraing nach eil i-fhéin a’ faotainn na bu mhath leatha faodaidh sinn a bhi cinnteach gu’n cuir i stad air a chòrdadh cho luath ’sa ’s urraim dhi. THA chuid a’s mò de’n ’n luchd-oibreach a bha seasamh a mach ’sa cumail nan ròidean-iaruinn ’nan tàmh ’sna Stàitean an Iar air a dhol air ais gu’n obair, gun iad aon phuinc na’s fhearr dheth na bha iad roimhe. Gu dearbh ’s ann tha cuid dhiubh ag guidhe gu’n gabhair air ais iad, ’s gun fhios aca co-dhiu ghabhas no nach gabh luchd-seilbh nan rathaidean riutha. Thatar a’ cur coire mhòr air aon duine, Mr. Debs, a thug òrdugh do na daoine dhol am mach gun reusan ceart a bhi aige air sin a dheanamh. Tha cuid a dhaoin’ ann ’s ’nuair a gheibh iad ann an ùghdaras, feumaidh iad rud-eigin mòr a dheanamh air son a leigeil fhaicinn do’n t-saoghal gur h-iad-san na daoine, ’s ma’s fior na tha air fhàgail air, ’sann dhiu Mr. Debs. Chaill an luch-oibreach moran tuarasdail, agus chaill am maighs irean a cheart cho mor leis na rathaidean a bhi ’nan tàmh. ’Sann gle ainneamh a bhiol buannachd a’s fhiach aig taobh seach taobh air a cheann mu dheireadh, agus tha e gach latha fàs na’s soilleire do na h-uile nach eil na leithid a dh’ obair ach na’s miosa na ghòraiche. THA àireamh mhor righrean an tiodhlacadh ann an I-Challum-Chille. Tha da fhichead de righrean na h-Alba fhéin ann, a bharrachd air da righ Eireannach, da righ Lochlunnach, ’s aon righ Frangach. Tha Mr. Uilleam Dòmhnullach, à Alba ann an Sidni an deigh dha bhi aig Féill an t-Saoghail ’s a cur cuairt air na Stàitean. Bidh e anns a “Chounty Hall” oidhche Di-ciaduinn an 25mh la aig 8 p. m. Bi’dh Piobaireachd, Dannsa Gàidhealach, agus seinn Oran Gailig us Beurla aige, ’s e fhéin anns an éideadh Ghaidhealach. Cha chosd a dhol ’ga éisdeachd ach 25cts. Clann 10cts. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE HEARN & HEARN, Fir-Tagridh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. HEARN. D. A. HEARN. Leabhraichean Gailig. RI’ N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig .D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 21] [Vol. 3. No. 3. TD 5] NAIDHEACHDAN A CHAIRID, cuir do lamh ’na do phòcaid ’s cuir dollar air adhart air son bliadhna eile dhe’n MAC-TALLA THA e air a radh gur h-i ban-righ Victoria an aon urra rioghail a bha riamh am Breatuinn a chunnaic an t-iar-ogha. CHAIDH tuathanach de’n ainm Beverly a mharbhadh le tarbh crosda ann an Ontario an la roimhe. Cha robh e beò ach mu ochd mionaidean an deigh a thoirt o’n tarbh. AM bheil thu gabhail a MAC-TALLA? Mur h-eil cuir g’ a iarraidh gun dàil. Cha ’n eil àm ann a’s fhearr air son cur g’ a iarraidh na’n uair tha e tòiseachadh air bliadhn’ ùr. Thatar a meas gu ’n do chaill iad-san d’ am buin na rathaidean-iaruinn anns na Stàitean, eadar còig us ochd muillein dollar fhad ’sa bha ’n luchd-oibreach a seasamh a mach. BHA cheud tri latha dhe’n t-seachdain so anabarrach teth, cho teth ’s nach robh e sàbhailt do neach a bhi mach ri teas an latha. Bha Diordaoin beagan na b’ fhionn-fhuaire. CHAOCHAIL duine beairteach ann an Ontario o chionn ghoirid, fear Donnacha Mac-an-t-saoir. Tha chuid dhe ’n t-saoghal air a mheas aig muillein no dha. Dh’ fhag e ’n t-iomlan aig a theaghlach fhéin. DH’FHEUCH dithis dhaoine ri bristeadh a stigh do’n bhùth aig Bonnion ann an Glace Bay an oidhche roimhe air son deoch làidir a ghoid. Loisg Bonnion orra agus chaidh fear dhe na daoine leònadh. CHAIDH duine ’s bean a mhuinntir nan Stàitean a bhàthadh aig Brackley Point, E. P. I., Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad an sin air cuairt shamhraidh, agus bha iad am muigh a snámh ’nuair a chilleadh iad. THA seann duine d’ an ainm Iain Mac Leóid a’ fuireach air an Allt Mhor eadar Amhuinn Dhennis us Amhuinn “Inhabittants,” a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Thainig e mach as an Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1831. CHAIDH duin’ òg da ’m b’ ainm Domhnull Mac Aonghais a bhualadh leis a ghrein Di-dòmhnaich s’a chaidh agus chaochail e maduinn an ath latha. Bha dithis no triuir eile air am bualadh anns a bhaile re na seachdain, ach chaidh iad am feabhas. THA co-thional Ghrand River an deigh clàr-chuimhne chur suas anns an eaglais mar chuimhne air an Urr. Mr Ros, a shaothraich ’nam measg fad iomadh bliadhna. Tha ’n sgireachd a bha aige, an diugh air a roinn na tri paraisdean. Tha ’n t-iasgach anabarrach math air cladaichean Newfoundland anns na lathaichean so. Tha h-uile duine ’s urrainn lamh no cas a thogail, am mach, agus cha ’n eil bàta ri fhaotainn air pris sam bith; tha iad uile cho trang. BHA crith-thalmhainn ann an Constantinople o chionn ghoirid. Bha àireamh thaighcan air an leagadh, ’s àireamh dhaoine air am marbhadh, Tha moran de na taighean air an dùnadh a nis agus tha moran sluaigh air campachadh a mach as a bhaile. THA fios as am Roimh ag innse gu bheil am Pàp gle fhad air ais na shlainte, ’s gu bheil na “Cardinals” an deigh sanais fhaotaìnn iad a bhi deiseil gu cruinneachadh ’s an lùchairt aige, gun fhios c’ uin a chuirean fios orra. THA co-thional cléireachail a Bhras d’ oir Bhig an deigh eaglais ùr a chur suas. B’ i ’n t-seann eaglais a th’ aca a cheud thigh-aoraidh a chuir muinntir na h-Eaglais shaoir suas an Canada an deigh dhaibh dealachadh ris an stait ’sa bhliadhna 1843. THA soitheach iasgaich Geancach ann an lamhan an Riaghlaidh an dràsd air son a bhi ’g iasgach an taobh a stigh de thri mile o thir. Tha i ri bhi air a rup an ceann latha no dha. Tha caiptean an t-Soithich ag radh nach eil e ciontach idir ’s tha e ’dol a chur na cùise dh’ ionnsaidh an lagha. CHAIDH Daibhidh Forbes a mharbhadh le bualadh-gréine aig Fall River, New York, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e beò ach da uair an deigh a bhi air a bhualadh. Bu mhac e do ’n Urr. Uilleam Forbes a bha ann am Port Hastings. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. BHA mèinn a Bhlockhouse air a creic leis an t-Siorram ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e Banca Nova Scotia a thug a mach i, agus tha e paigheadh ceithir mile fichead dollar s’a sia air. ’S i soméinn cho math ’sa tha air an eilein, agus ma thòisechear air a h-oibreachadh aon uair eile ni é feum mor do mhuinntir Phort Morien. THAGHAIL soitheach aig Sidni a Tuath air an t-seachdain s’a chaidh air a turus eadar Boston us St. Pierre, ’s an caiptean marbh air bòrd; Chaidh an sin Caiptean R. Domhnullach air bòrd oirre gus a toirt gu ’ceann-uidhe. ’Nuair a ranaig i cladaichean St. Piere, chaidh i air chall ann an ceo ’s chaidh a bristeadh air sgeir. Tha ’pharlamaid an deigh suimeannan math airgid a chur air leth air son rathaidean-iaruinn anns an eilean so. Tha $96.000 aìr a chur air leth air son cuideachadh le rathad a thogail eadar Port Hawkesbury us St. Peter’s, $80.000 air son rathad eadar Port Hawkesbury us Cheticamp, agus $113.000 air son rathad eadar Orangedale us Broad Cove. THA seana bhean a fuireach mu fhaisg dha mhile do Wolfville, N. S., a tha còrr us ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Tha i na deagh shlàinte, agus tha a fradharc cho math ’sa bha e riamh. ’Se rud a’s iongataiche m ’a timchioll gu’n do chuir i seachad a saoghal mu dha mhile o’n àite ’s d’ rugrdh i, ’s nach robh i riamh ann an Kentville no ann an Hantsport, dha bhaile bheag a tha gle fhaisg air a dachaidh. Cha mhò bha i riamh oir bòrd earbad iaruinn no air bàta smùide. Chaidh fear Niall Mac Nèill a ghoirteachadh gu dona ann am Méinn Lorway Dior-daoin. Thuit tòrr guail air, ’s tha eagal air na dotairean nach tig e uaith. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. Chaidh mise leigheas o chuing le MINARD’S LINIMENT. Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE. Leighseadh mise o lòine le MINARD’S LINIMENT. Mahone Bay. IAIN MADER. Leighseadh mise o chas ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Bridgewater. IOSUA WEGNACHT. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 22] [Vol. 3. No. 3. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUIRIDH MAC LEOID. Air an latha màireach thog mi rithe gu Sgarastadh Bheag. B’e sin an rathad math. Cha robh aon chuid pollag phuill na maidean drochaid ri coinneachadh ris gu carbadan a chriathradh as a chéile. Is ann da mo chois a bha mi agus bha an latha breagha grianach. B’ e sin an ni toil-inntinneach a bhi ag amharc air caoirich mhòra le ’n uain a cleasachd ri chéile air cliathaich na Maodail air an darra laimh agus air mointeach a chaolais air an laimh eile. Ach tha taobh dorcha air gach subhachas. Nach muladach ri innseadh gu’m biodh milltean do dh’ acraichean aig aon duiné fuidh chaoirich mhòra ’nuair a tha na ceudan de theaghlaichean air am fògradh á tir an dùthchais gu iomallaibh na talamhainn. Chaidh mi seachad air Nisa-sith agus thainig e gu’m chuimhne gu’n robh aon uair grunn de theaghlaichean a’ còmhniudh ’an so na ’measg an robh teaghlach duine urramaich da ’m b’ ainm Tormad Mac Alastair. Is iongantach r’a innseadh e, ged a bha Tormad na dhuine comharraichte ’s an diadhachd, cha tugtadh riamh a chreidsinn air nach robh comas aig duine no bean brigh a bhaine a thoirt o choimhearsnach. Rainig mi tigh Sgarastaidh Bheag ro àm na dinnearach agus choinnich mi ri fàillte fhuranach o bhean a bhaile, nighean Fear Tharansaidh nach maireann agus piuthar Dhomhnuill Bhàin Tharansaidh a chaochaill a bhliadhna roimhe. Chaidh lamh a thoirt air a bhotull mar bu ghnàth ’s an tigh uasal so. Thug mi taing ach dhiult mi beantuinn ris an stuth phuinnseanta loisgteach ged nach b’e sin cliù a bheireadh na fior mhisgeirean air, oir is e a chuid bu treise agus bu neo-thruailte de’n uisge bheatha a bha ann. An deigh na dinneir thog mi rithe gu caolas Tharansaidh. Bha e uair ro dhol fodha na gréine ’nuair a ràinig mi Aird Nisaposd. Sheas mi an toiseach ’an còmhail a mhaighstir sgoile agus an deigh ùine chaidh mi do chòmhail an Tighe Mhòir. Bha a ghrian gu dol fadha ’nuair a thainig geòla dha ramh g’am iarruidh. Dh’ fhan mi an oidhche sin ’san Tigh Mhòr agus thug mi searmon dhoibh an là na mhàireach ’s an tigh sgoile. Chaidh ceithir bliadhna deug seachad bho na bha mi ’teagasg sgoile ’s an eilean iomallach so. Thainig moran chaochlaidhean air an àite bho’n uair sin. Dh’fhás a chlann suas gu ’bhi na’n daoine agus bha na seann daoine ceithir bliadhna deug ni bu shine. Tha aon de na ballaich—Iain Mac Ruairidh Mhic Ascaill—a foghlum air son na ministrealachd. Dh’ iunndrainn mi Domhnull Mac Challum as am measg. Chaidh e a dh’ ionnsuidh a shonais. Is e eilean a tha an so a bheannaich an Tighearna ann an tomhais ro mhòr. Bha dùsgaidhean anabarrach ann ri linn Aonghais Mhic Illeathain an ceisteir o chionn faisg air tri fichead bliadhna agus tha toraidhean na’n amaibh sin ri fhaicinn fathasd. An uair a bha mise a’ teagasg sgoile ann bha gach teaghlach an seilbh air fear aideachaidh no bean aideachaidh ach a h-aon, agus bha triùir ann an cuid dhiubhh. Ghabh mi slàn leotha an ath latha agus ghabh mi an t-aiseag a chum an Tairbeart. B’e Di-sathuirne a bha ann agus air an ath lath shearmonaich mi ann an eaglais Mhic Illeathain do làn na h-eaglais as gach Bàgh agus Rutha bho Aird a Mhùlaich gu Licisto. Air feasgar na Sàbaid thainig bàta na smùid a chum a challa air tighinn a Eilean Hiort. Bha air bord árd eildeir an eilean sin, agus aig an aoradh teaghlaich chuir mi a dh’ urnuigh e. Is e banaghall a bha ann am bean a mhinisteir agus ’nuair a bha an duine còir a cùir an céill ann an cainnt neo mhearachdachd gach teagasg bho Thuiteam an duine gu Glòrachadh a chreidmhich, dh’ fhàs a bhean uasal sgith agus mu dheireadh thall shuidh i air a cathair. Cha do chuir sin gluasad air an eildeir agus lean e air aghart suas ri uair an uaireadair mu’s do sguir e. Is iongantach cho greimeil ’s an diadhachd ’s a tha luchd aideachaidh an eilean iomallaich so. Thug an t-Olladh Domhnullach stéidheadh bunacharrach dhoibh an uair a thug e an soisgeul do ’n iunnsuidh an toiseach. Air dhomh taghall re na seachduin air càirdean ’s a choimhearsnachd thog mi rithe air son cuairt a thabhairt do Leòghas. Thuarasdalaich mi fear turais agus a charbad gu Baile Allain. Bha sinn ceathrar air bord. Suas am bruthach os ceann Aird hàsaig b’ éigin dhuinn coiseachadh agus bha sinn gu math sgith mu ’s do ràinig sinn am mullach. Bu mhaiseach an sealladh na beanntan MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 23] [Vol. 3. No. 3. p. 7] arda sgurach a bha sinn a’ gabhail seachad ri ’m bonn. Bha iad gu mòrchuiseach ag amharc a nuas oirnn mar gu’m biodh iad a’ cur an teagamh ar coir air dragh sam bith a chur air an t-suaimhneas a bha iad a’ sealbhachadh le glagraich cuibhlichean ar carbaid. Smuainich mi ged bu mhór am morchuis gu’m bu mho cumhachd na cuileig na ’n cumhachd, oir stampaidh a chuileag bheag a bheinn is mo fo’ cois. (Ri leantuinn.) Fios a Strath-Alba. A CHARAID,—So agad da dholar—aon uam fhéin agus aon bho m’nàbuidh còir Muracha Lamond. Cuiridh tù MAC-TALLA thugainn bliadhn’ eile. ’Smath is fhiach e dolar. Cha’n eil mi cluinntinn duine tha ’g ràdh na’s miosa na sin mu thimchioll. Tha e coltach gu leòr de aois da bhliadhna, ’s ma bhios a chàirdean uile gu math dha faodaidh fàs mor tighinn air ann am bliadhn’ eile. Cuireadh na h-uile neach a dholar fhéin air adhart agus faigheadh e aon na dha eile de ghabhaltaichean ùra. Bheir sin misneach dha agus cuiridh e spionnadh ann. Tha aimsir mhath againn air Eilean a Prionnsa air an t-samhradh so. Tha coltas math air fear ’s air fochunn. Tha e mar dh’iarradh daoine o shean,— Geamhradh rèota, Earrach ceòthach, Samhradh breac, riabhach, Foghar geal, grianach. Tha samhradh breac riabhach againn, grian is frasan ma seach. Mur dig domail no grabadh sam bith ’s gun cuir am Freasdal foghar grianach oirnn bidh saibhlean làn agus a cur thairis aig tuathanaich Eilean-a-Phrionnsa. Tha daolagan a bhuntàta nan crois, ach cha’n eil daoine nise, mar bha iad an toiseach, “brisdeadh an caoildraim as an deigh.” Ni am puinnsean Frangach an gnothach orra. C. C. Strath-Alba, E. P. I., Iulaidh 16, ’94 Tha bathar math an còmhnuidh iga D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bathair eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. MA thòisicheas duine tha fichead bliadhna dh’ aois air éiridh ’sa mhaduinn da uair na’s traithe na b’ abhaist da ’s gu’n lean e air sin gus am bi e tri fichead, tha e ’cur, mar gu’m b’’eadh, deich bliadhna ri ’bheatha. Air a Leughadh Cheana. Bha duin’ ann uair d’ am b’ ainm Domhnull, agus mar a dh’ éirich do iomadh neach eile, b’ fheudar dha falbh o’n tigh, agus ge b’e ceàrna dhe’n t-saoghal a thug e air cha leig sinn a leas ainmeachadh. Ach co-dhiu bha e dol a sgriobhadh gu ’athair a dh’ innse mar bha dol dha. Shuidh e sios ’s thoisich e “Athair Ghradhaich: Tha mi a cur na litir so d’ ar n-ionnsuidh a dh’ innse dhuibh gu bheil mi ’n am shlàinte, agus an dòchas gu bheil sibhse agus càch ’n ur siàinte cuideachd,” agus mar sin air adhart. Bha barail mhor aige air fhéin mar sgriobhadair agus air son a dheanamh cinnteach nach biodh mearachd sam bith ’san litir, ’nuair a sgriobhadh e beagan shreathan, thòisicheadh e aig a toiseach, agus leughadh e na h-uile facal. Chuireadh e ’an sin beagan eile sios agus leugheadh e ’n litir o ’toiseach a rithist. Lean e air an obair sin gus an robh e gu bhi ullamh, agus an sin thionndaidh e ri companach dha a bha stigh còmhla ris ’sa bha gabhail deagh bheachd air a dhòigh sgriobhaidh, agus ars esan ris, “Gu de tuilleadh a their mi ri m’ athair, Ailein?” Cha robh freagairt riamh air chall air Ailein, ’s cha robh air an turus so. “Faodaidh tu,” ars esan, “a radh ris nach leig e leas an litir a leughadh idir, gu bheil i air a leughadh cheana!” Thig beo gu Subhailceach. Bi-sa bochd, agus buanaich ann, Oganaich, an uair a ta muinntir eile mu ’n cuairt duit a’ fàs saibhir trid foirneirt agus fòill.—Bi-sa gu’n inbh, gu’n chumhachd, am feadh ’sa ta sluagh eile ag éiridh suas air slighibh sleamhuinn na h-eucorach. Fuiling gach àmhghar a dh’ éireas o mhealladh-dòchais, agus gnàthaich foighdinn, an uair a ta cuid eile a’ dol air an aghaidh gu goileamach, miodalach, seòlta! Paisg thu féin suas ’n ad’ shubhailc féin agus na cùm comunn ach ri fior charaid, “oir sgriosar companach nan amadan.” Iarr t-aran laitheil, agus air a shuarraichead, bi tàingeil, toilichte leis. Ma dh’ fhasas tu aosmhor, liath, air an t-slighe urramaich so, dean gairdeachas, agus do’n Ard-Righ thoir fior thàingealachd do chridhe! Leighsidh Minard’s L’ment Crosdachd. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 24] [Vol. 3. No. 3. p. 8] Oran do Mhac-Leoid Dhunbheagain. (Air a leantuinn.) An nis tilleam gu d’ chainnt Bhon a b’ fhòsrach mi anns gach sion. ’S tric a chunnacas gill’ og ’Bhiodh gun uireasbhuidh stoir no ni, ’S bhiodh am beachd aige fein Bhon a cheannaicheadh e feudail saor ’Dh-aindeoin caitheamhachd dha. Nach bu chunnart da lamh nam maor. ’S ionnan sin ’s mar a tha Cuid de dh-uachdarain ard an dùigh, Bho nach léir dhaibh an call Meud an deidh air cuirt Ghall cha sguir, Gus an deid iad do ’n Fhraing, ’S gur a soilleir ri am a bhuil; Bidh droch ghalar gan cnamh, ’S theid an storas a ’n laimh na shruth. ’Nuair a thid e gu blar Air each cruitheach a’s gairmhor srann, Diallaid lasdail fo ’mhas, ’S mor gum b’ fheairrd e srian oir ’na cheann. Fichead gini cha n-fhiach, Gun deid sud a chur sios an geall; Cha deid bonn deth ’am feum, Is cha n-fhaighear e ’n deidh a chall. ’Nuair a theg e bho ’n reis Theid e ’dh-iomairt le beisd air glac; ’S mur dig lamh ’sam bi feum Gun caill e an leum gu grad Ma ’s iad disnein a mhiann Bheir e thairis h-aon-diag mu seach; ’S ged a chaill e coig ciad, Fire, faire, ’s beag fhiach am mairt. Theid coig coigean de ’n or ’Thoirt gu faoin airson cord do ’n aìd; ’S urad eil’ oirre fein, ’S math na bharail a feum gu spaid; ’S a ghrabhat a s glan li Theid punnd Sasunnach innt’ gun stad; Ach ’s beag sud as a mhal, Theid a chunntadh air clar gu grad. Theid luach mairt no na ’s mo An da stocain de ’n t-seors’ a ’s fearr; Sud na gartain a suas ’S paidhir thasdan de luach nam barr. Ducait diuca no ’n corr Theid a chur ann sa bhroig ’bhuinn aird, ’S clachan criostal ’s math sunadh Ann an bucaill mu ’n cuairt le straic. Theid e staigh ann am buth ’S chi e fasan as ur bho ’n Fhraing; ’N t-aodach gasda ’bha ’n de Air a phearsa le speis neo-ghann Theid a thilgeadh an cuil;— “Fasan dona, cha n-fhiu e plang.” Air mal baile no dha Bidh a pheann is a lamh ri bainn. Bidh a pheidse gun mheas Mur bi eideadh am fasan chaich; Ged bhiodh e gini an t-slat Gheibhear uil’ e air mart no dha. Casag riomhach gun sgod Theid a cheannach do dh-og an deigh ’S briogais bhelbheit bhuig bhriagh’ ’Bhios a ruigheachd a sios gu’ shail. Cha bhi pheids’ ann am pris Is e fhathasd a dhith a chleoc; Cealltair olla cha n-fhiac, ’S cuis fhanaid cloth liath mu ’n og, Aodach riomhach o ’n bhuath, Le crios airgid, luach chruintean oir, Feumar sin ’fhaotuinn dha;— “Tilgidh m ’fhearann dhomh mal na ’s mo” ’Nuair a thig e air sgriob A dh’ amharc a thire fein ’N deidh na miltean ’chur suas Gum bi gaoir air an t-sluagh mu ’n spreidh, Ach ged thogar na mairt, ’S ged a nitear an reic aig feill, Bidh na fiachan ag at, ’S theid an tagradh o ’mhac na dheidh. Theid Mac-Mhartuinn am mach, ’S e gu statail ai reach le srian, E cho ard ann am beachd Ris an armunn a chleachd ’bhi fiall Cas a chaibe no crann ’S e nach glacadh ’na laimh ’s cha b’ fhiach; E cho spaideil ri dùic Mac a bhodaich a b’ umaidh riamh. Thoir-sa teachdaireachd uam Grad le deatam gu Ruari og, Agus innis da fein Meud a chunnairt, ged ’s e Mac-Leoid, Biodh e ’sealltuinn na dheidh Air an Iain a threig ’s nach beo, Ge b’ e ’leanadh a chliu ’S e nach fagndh an dun gun cheol. Gheibhear an t-oran so ann an leabhar no dha, ach chan fhaighear mar so. Hoirinn Ho, Cha Bhi Sinn Tursach. LUINNEAG. Hoirinn ho, cha bhi sinn tùrsach, Gabhaidh òran, ’s olaibh srùbag, Dh’ fhaodadh fortan thigh’nn an dùthaich, Nach eil dùil agaibh, ’ni feum dhuibh. Mile marbhaisg ’air an t’ saoghal, ’S mairg a bheir anabarra gaoil da, ’S mor gum b’ fhearr a bhi as aonais, Na fear fhaotainn nach dean feum dheth. Hoirinn oh, &c. Am fear a bhios da thional gàbhaidh, Rud aige, ’s nach cuir e ’làmh air, Bithear dha sgaoileadh air càch An deighe ’bhàis, ’s cha ’n fhearrd e féin e. Hoirinn ho, &c. Chunna mise daoine còire, Na mo nàbachd, ri am m’ òige, ’S nuair a shuidheadh iad mu bhòrd, Bu bhinn an ceol a bhi dha ’n éisdeachd. Hoirinn ho, &c. Gheibhte ceòl, is òl, is mànran, Gheibhte rainn, is fuinn, is gàir’ ann, Gheibhte piob mhor nan dos àrd,’ Aig Iain Macaidh, ’s be làmh ga gleusadh. Hoirinn ho, &c. Thainig rud eile bho ’n uair sin, Thainig gaine, ’s thainig cruadal, Thainig pròis, is croic, gun uaisle, ’S dh’ fhàs na daoine fuar ri chéile. Hoirinn ho, &c. Am fear a shaolas tu ’tha sàbhailt, H-uile ni dh’ fheumas e ’laimh ris, Min, is anlan, is buntàta, ’S miosa ’ghair na da ghil-deirce. Hoirinn ho, &c. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Faigh Paidhir air son an Earraich. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. [TD 25] [Vol. 3. No. 4. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 28, 1894. No. 4 An Samhradh. Tha ’n samhradh a nis le aghaidh thlachdmhor a’ deanadh an t-saoghail aghmhor agus boidheach. Ma dhearcas sinn air lochran nan speur le ’aodann soilleir grianach, agus ma bheir sinn fainear gur i ’ghrian a tha ’ruagadh air falbh na h-oidhche dhorcha: ma ghleidheas sinn air chuimhne gur ann bho mhac nan speur a tha blaths a’ tighinn agus an solus glan ciatach mar an ceudna, a tha’ tabhairt comais do luchd-aiteachaidh na talmhainn air seirbhis us saothair a dheanamh, aidichidh sinn air ball gum bheil na sochairean lionmhor agus priseil a tha gathannan na greine ’frasadh air an t-saoghal. Cha’n ’eil eadhon dorchadas na h-oidhche fein gun bhuannachd mor. Is ann aig an am so, ’nuair a tha teas us treise na greine fannachadh, agus i fein a ’deifireachadh gu leabaidh anns an iar, tha ’n driuchd a’ braonadh air fonn us faiche, agus ag urachadh nan comhnardan ’s nan achaidhean. Anns an t-samhradh thig gach geug us crann gu luath fo bhlath. Comhdaichidh trusgan aoidheil ann an uine ghearr na blarain a bha dubhach gruamach roimhe, cluinnear guth binn ceilearach nan eun ag eiridh bho iomadh preas us tom, agus fasaidh suas gu sgipidh toradh brighmhor na talmhainn. Tha ’n aimsir a nis ann an tomhas mór suidhichte ’s cha’n ’eil na neoil ach anaminic a’ cur sgaile air aghaidh na greine. Tha sunud us gean us subhachas anns gach aite. Tha ’n cuan mor farsuing gun ghruaim gun stoirm. Tha ’thorman ’s a thonnan beucach aig fois. Tha sobhraichean ’us neonainean geal us buidhe ’s boidheach anns na machairean ’s air gach learga. Tha ann an tir nan Gaidheal am fraoch gaganach, badanach a’ sgeadachadh mullach nam beann le culaidh riomhach, agus a’ crathadh a chinn, agus ag aomadh ann an osaig chiuin an anmoich. Tha gach faillean ’us fluran urail dosrach, agus an og mhaduinn mar an ceudna luchdaichte le dealt a tha dearrsadh ann an solus glan na greine. Is gasda da rireadh an t-oran a rinn Donnachadh Ban Mac an t-Saoir do’n t-Samhradh. Tha e ann am briathran fonnmhor a’ cur an ceill cia co greadhnach dichiollach, toilichte ’s a tha gach creutair beag us mor. Tha’n seillean fein a’ faotuinn molaidh mor bho’n bhard. Is e gu striteach, riabhach, ciar-cheannach Breac buidhe, stiallach, srian-bhallach, Gobach, dubhanach, riasgach, iargalta, Ri gniomh gu dian mar thuathanach. Bha ’n Gaidheal aimeil foghluimte Eobhan Mac Lachuinn, min-eolach air saoibhreas breagh an t-Samhraidh. Cha’n ’eil ioghnadh mata gun thug e bheachd so seachad. M’ an innsinn sios gach ni’ bu mhiann leam Ann am briathran seolta, Cha chuirinn crioch le dealbh am bliadhna Air ceathramh trian de ’m b’eol domh. Mu ghloir nan speur’s an t-saoghail gu leir, A lion le h-eibhneas mor mi, ’N uair rinn mi eiridh madainn cheitein. ’S dealt air feur nan lointean. CONA. Litir a Gleann Bharra. A MHIC-TALLA runaich:—’S fhada bho na bha romham facal na dha a’ sgriobhadh thugad a dh’ aithris mo thoileachadh riut, le’d deagh naigheachdan as gach aite. Ged a tha beagan do sgoilearan Gàilig na ’r measg an so, tha e coltach gu bheil iad leisg gu leòr ma sgriobhadh, oir cha ’n fhaca mi litir bho ’n áite so ’sa MHAC-TALLA fhathast, ged is bòidheach an gleann e. Neo ar thaing nach mol sgriobhadairean eile an àiteachan còmhnuidh fhéin. Theirir “Gleann Bharra” ris an àite so, a chionn cha ’n eil aon duine a’ còmhnuidh ann ach Barraich, agus cha ’n eile baile eile ’sa Mhor-roinn so anns a bheil Cloinn Nèill co pailt air reir àireamh an t-sluaigh. Tha ’n t ’side ro fhreagarrach air son na dùthcha agus tha iomradh math air a bhàrr anns gach ceàrn; gu sonruichte am feur. Tha na meanbh-bhiastagan graineil ris a abrar na daolagan striamach a’ deanamh milleadh mor air a bhuntàta a dh’ ainein ar dichioll gu cur as daibh. Aig coinneamh bhliadhnail na sgoile, air a mhios s’a chaidh bhruidhinn iad air tigh sgoil ur a thogail, agus gus cuideachadh leis an obair sin, tha sùil againn cruinneachadh mor, ris an abrar Picnic a bhi againn air an ath mhios. Ni sinn na s’ urrainn dhuinn chum toilinntinn a thoìrt dhaibhsan a thig a choimhead oirnn. Bidh na Cleasan Gàidhealach air an chluiche, mar bu chòir a bhi aig gach aon do na cruinnichean Gàidhealach. S’ mise do chairid. “DOMHNULL DUBH,” A Baile-mor Hamilton. Tha latha-féille a bhaile so gu bhi air a chumail air an t-seathamh latha dhe ’n ath mhios, agus tha Gàidheil a bhaile dol ’ga chur seachead le dhol gu baile Bharrie aig ceann loch Simcoe. An sin tha rompa seana chleachdannan an sinnsir a chumail an chuimhne maille ri aireamh mhor de Ghàidheil na dùthcha a tha gu coinneamh a thoirt dhaibh ’san àite sin. Tha riaghladh a ghnothuich ann an lamhan dithis dhaoin’-uaisle Hamilton, D. I Caimbeul, agus Iain Mac Dhùghail, agus faodar a bhi cinnteach nach eil ni air a chlàr-innse nach bi air a dheanamh. Tha tilgeil na claiche ’s an ùird ’s a chabair, ’s na dannsan Gaidhealach a chleachd na daoin o’n d’thainig iad ’san duthaich thall ri bhi aca—I. M. C. Tha bathar math an còmhnuidh iga D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bathair eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor. [TD 26] [Vol. 3. No. 4. p. 2] SEANN SGEUL GAIDHEALACH. O CHIONN corr a’s ceithir cheud bliadhna, dh’ eirich comh-strith mhor eadar na Cuimeanaich agus Clann-an-Toisich, aig an robh oighreachd mhath, goirid o fhearann a’ Chuimeanaich, Iarla Bhaideanach agus Athull. Bha Ban-Iarla a’ Chuimeanaich, a reir na h-aithris ’n a bana-gheocaire, anabarrach; agus a chum an ciocras so a shasachadh b’ eiginn di buntuinn gu ro-chruaidh ris an tuath bhochd. Theirteadh gu’n itheadh i seipein smior gach aon la air a dinneir, a bharr air iomad goireas soghar, annasach eile. Le ’leithid sin de strogh agus de ana-caitheamh, chlaoidh i a cuid tuatha co mor ’s nach robh iad ’n an urrainn na mail a dhioladh, no ’m fearann a shaoithreachadh, ionnas gu’m b’ eiginn di dol a dh-aslachadh faoidhe air a coimhearsnaich shaoibhir. An deigh dhi an duthaich imeachd ag iarraidh faoidhe, dh innis i d’ a fear an soirbheachadh a bha ’n co’-lorg a turais, agus gu’n d’ thug Mac-an-Toisich mor Thir-eni dhi da-bhá-dheug agus tarbh. An aite a thaingealachd, is ann a dhuisg an fhialachd shomalta so a dhiumb, ’fharmad. agus a chorruich ri saoibhreas a choimhearsnaich. Bha sgath air r’ a bheairteas, agus do thaobh sin, chuir e roimhe gu’n cuireadh e as da; ’s a chum sgail a chur air a’ ghniomh mhi-chneasda sin, chuir e ’n ceill gu’nrobh an t-uasal sin tuilleadh ’s mor aig a mhnaoi. Air leis gu’n robh so ’n a dheadh leisgeul, agus ’n a chion fath freagarach air connspoid. Bha e nis a’ feitheamh nam fath chum a run a chur an gniomh; ni a fhuair e gu grad a dheanamh, le caisteal an duin’ eile aig Tomafuir (aite bha goirid o Bhlar-Athull,) a chuairteachadh mu mheadhon oidhche, ’n uair a mharbh iad an teaghlach gu h-iomlan eadar fhirionn agus bhoirionn, a bha ’n an suain-chadail gun fhiamh, gun amharus. Le so a dheanamh ghabh e sealbh air a cnuid fearainn, a bha ni bu mho na bha aig aon duin’-uasal eile bha ’s an duthaich. Bha, dlu du mhur Mhic-an-Toisich, seann duine a chomhnuidh, aig an robh greim beag fearainn uaithe, air nach robh de mhal ach boineid ur uair ’s a’ bliadhna; agus thug a mhaighstir an t-seana bhoineid dha an am na te ùir ’fhaotainn; agus air a shon sin theirear Croit-na-boineid ris an fhearann sin gus an latha ’n diugh. Bha ioghnadh air an t-seann duine co samhach ’s a bha talla muirneach a mhaighstir, ’s a’ mhadainn an deigh a’ chasgraidh mhuladaich sin, agus chaidh e a dh-fhaicinn an aobhair. Cha luaithe chaidh e stigh na chunnaic e cuid de na cuirp bheubanaichte gun deo air an urlar. Le mor ioghnadh agus uamhunn leis na chunnaic e, laimhsich e gach aon fa leth dhiu, a dh-fheuchainn an robh iarmad beatha ann an aon sam bith dhiubh, ach bu diomhain a shaothair. Air a lionadh le mulad, thog e suas a’ chreathall, a bha bun-os-ceann air an urlar, agus fhuair e ’n leanabh-beag foidhpe, ris an abradh iad am brideach Eoghan, agus le mor sholas thuig e gu ’n robh e beo, ach ro lag le cudthrom na creathlach agus an aodaich. Ghrad rug e air, agus ghiulain e e chum a sheanar a thaobh a mhathar, Mac-Glaisein Ionar-bhac, a chuir gu grad air falbh leis e gu dlu charaid de shliochd Dhiarmaid ann an Earraghaidheal, chum nach biodh e mar fhad laimhe de ’n Chuimeanach; far an d’ fhuair e a dheadh arach. Bha e ’n a ghnathachadh aig an t-seann duine thug an sin e dol gu tric g’ a fhaicinn; ach a chionn gu ’n robh na Cuimeanaich co cumhachdach ’s an am sin an Albainn, mheasadh feumail a chumail an cleth gu’n robh an leanabh beo, gus am fasadh e suas, agus gu ’m biodh e air son ’athar a dhioladh. Ged a bha e car uine lag, gun mhor chinneas, thainig e air aghaidh, agus dh’ fhas e gu laidir, eireachdail, agus bha e ro theoma leis a’ bhogha, ni a thug mor mhisneach d’ a sheana charaid, an duil gu ’n tugadh e aicheamhail a mach air son na sean fhalach. Air am araidh chaidh e g’ a fhaicinn, agus chunnaic e co math ’s a bha e air a’ chusbaireachd; thuirt e ris gu ’n robh broilleach an fhir a mharbh ’athair ni bu leatha na ’n comharadh ud—ni a chuir mor ioghnadh air an fhleasgach, nach cuala riamh roimhe iomradh air. Ghrad leag an seann duine ris an diuras, leis gach durachd a bha ’n a chomas, mu thimchioll a chairdean agus ’oighreachd. Dh’ eisd an t-og-fhlath le ro-aire ris an sgeul, agus air dha bhi air a bhualadh gu goirt ri aithris a’ chraidh bhruchd e ’mach, le ard bhas-bhualadh, agus a’ bras shileadh nan deur: agus thaosg e mach ’inntinn agus a run an uchd an t-seann duine. Air dha a nis a bhi lan-fhiosrach air na ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. G. H. GUZZWELL, SIDNI, C. B. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan. [TD 27] [Vol. 3. No. 4. p. 3] thachair, bha fadal air gu dol a bhuannachd oighreachd ’athar ’s a sheanar, agus a dheanamh dioghaltais air naimhdean an-iochdar a thighe. Cha ’n urrainnear a chur an ceill an solas a thug e do ’n t-seann duine meud na h iomaguin a bh’ air an fhleasgach gu bhi ’triall g’ a dhuthaich fein. Dh’ asluich iad le cheile air a chairdibh iad a chur ceathuirne leo a bheireadh aghaidh air a naimhdibh, agus dheonaich iad an iarrtas, le ceithir-fir-fhichead a chur air falbh maille riutha, fo ’n lan armaibh agus rainig iad tigh Mhic Glaisein, a sheanair, a chaidh leo agus ochdnar thaghta fo ’n lan armaibh maille ris. Uaithe sin rainig iad coille Urard-bhig, far an d’ fhuirich iad gu seimh samhach gus an do chuir ian fios a dh-ionnsaidh banaltrum Eoghain. Chaidh e fein g’ a h-ionnsaiph, agus rinn e cagar aig a dorus; dh’ fheoraich i co a bh’ ann aig uair co anmoch? Fhreagair e gu ’n robh a dalta Eoghan Mac-an-Toisich. “Tha ’n guth coltach r’ a ghuith,” a deir i; “ach ma sheideas tu t’ anail a stigh troimh tholl na glaise, tuigidh mi ’n sin gu cinnteach ma ’s tu th’ ann.” Rinn e sin, agus thuig i gu grad gur e fein a bh’ ann; agus bha i ro ait a chionn i ga ’fhaicinn. Chaidh a mhuime chur a dh’ fhaighinn sgeoil mu ’n Chuimeanach, agus phill i leis an teachdaireachd gu ’n deach e le’ chuid daoinibh gu drochaid Teilt, mu thimchioll mile air asdar, a thoirt abhachd dha fein agus d’ a chuid daoine. Le so a chluinntinn roinn Mac an-Toisich a chuid daoine ’n an da bhuidhinn, agus bha Mac-Glaisein air ceann an dara buidhinn, a chumail freiceadan air Caisteal Bhlair, agus bha Eoghan air ceann na buidhinn eile maille ris an t-seann duine, nach do dhealaich idir ris, agus chaidh iad air toir a’ Chuimeanaich. Co luath ’s a thuig e gu ’m bu naimhdean a bha ga ’iarraidh, theich e dh’ ionnsaidh a chaisteil, far an do choinuich a’ bhuidheann eil’ e, a mharbh moran diubh mun do thàr iad as, agus lean iad an ruaig a mach Gleann-Teilt, a’ marbhadh agus a’ leonadh moran diubh. Chaidh an t-sron a cur de dh-fhear aig allt ris an abrar o’n latha sin Allt-na-sroine; lotadh fear eile ’s a bhroinn aig Allt-nam-marag. Am feadh a bha iad mar so air an ruagadh suas an gleann le Mac-Glaisein, ghabh muinntir Eoghain falach-talandadh orra, agus thachair-iad riutha aghaidh-mu-chnoc. Tha e air a radh gur e ’n seann duine a bha do ghnath air thoiseach, agus ann am briathraibh smachdail ghlaodh e, “Sud agad do namhaid, an Cuimeanach agus ma leigeas tu as e toillidh tu bas cladhair fhaotainn.” Chuir Eoghan gu grad a bhogha air lagh, agus chuir e ’n t-saighead troimh chridhe a’ Chuimeanaich. Thuit e air lic leathain ri taobh na slighe, far an do thog iad, mar bu ghnath, carn chlach mar chuimhneachan air an euchd, ris an abrar Carn-a’-Chuimeanaich gus an la ’n diugh. Their na Gaidheil ris na cuirn sin, Cuirn-na-falachd.—An Teachdaire Ur. Mu’n Ghobhlan-Ghaoithe. Tha an gobhlan-gaoithe a’ teachd do’n dùthaich so aig toiseach an earraich, ’nuair tha an là a’ fàs fad agus an aimsir blàth. Tha i a’deanamh suas a nid do chré agus do làthaich; agus tha a nead am bitheanta air a togail ri cinn thighean, no ann an oisinn nan uineaga. Siubhlaidh au gobhlan-gaoithe le mòr-luathas. Tha i a’ glacadh chuileagan agus bheathaichean beag sgiathach eile, ’nuair tha i air iteig sna speuraibh, agus leo sin tha i ’ga beathachadh féin, agus a’ beathachadh a h-àlaich. Aig deireadh an fhogharaidh, ’nuair tha an là a’ fàs goirid agus an aimsir fuar, tha na gobhlain-ghaoithe a’ fàgail na dùthcha so. Beagan roimh dhoibh falbh cruinnichidh iad ann an àireamh mhòr air mullach thighean no àitean àrda eile, cuiridh iad an céill an rùn d’a chéile, agus air dòigh ro-iongantach ni iad deas air son an turuis do thìr fad air astar. Feudaidh sinn gliocas an Uile-chumhachdaich a thoirt fa’near sa’ chùis so: ’nuair tha an geamhradh a’ teachd dlùth oirnn tha na cuileagan a’ bàsachadh, agus do bhrìgh gur ann orra so tha an gobhlan-gaoithe a’ tighinn beò, tha claonadh nadurra g’a treòrachadh a dh’ ionnsuidh ionaid a ta iomchuidh fa comhair. Air dhi an dùthaich so fhàgail, stiùraidh i gu dìreach air an t-slighe dh’ionnsuidh Africa, far am bheil an aimsir blàth, agus cuileagan pailt; agus fanaidh i an sin gus an téid an geamhradh seachad, agus gus an tig blàthas agus teas d’ar n-ionnsuidh-ne le teachd an earraich. Tha iomadh ni aithnichte mu thimchioll nan gobhlan-gaoithe tha feuchainn duinn gu soilleir gu bheil comh-fhulangas aca do thrioblaidibh a chéile, agus gu bheil fhios aca ciod an dòigh air an nochd iad an comh-fhulangas so.—Air uair àraidh thuit nead aoin diubh o oisinn na h-uinneig san do thogadh i. Cha bu luath a chunnaic a’ chuid eile dhiubh so, na chruinnich iad cuideachd, agus ann an ùine ro-ghoirid thog iad nead eile sa’ cheart àit annns an robh a’ cheud nead. Air uair eile chaidh gealbhonn a steach do nead a’ ghobhlain-ghaoithe ’nuair bha i air falbh a’ solair lòin di féin, agus air dhi pilltinn chum a nid, shàs an gealbhonn oirre, agus cha leigeadh e steach i. Bha an gobhlan-gaoithe air a feargachadh leis an ni a chaidh dheanamh oirre, agus air dhi a chur an céill do chàch, thàinig iad ann am mòr-áireamh le cré ’nan guib, dhùin iad suas an toll a bha san nead, agus dh’fhàg iad an gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh agus àile. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. Leighsidh Minard’s L’ment Crosdachd. Chaidh mise leigheas o chuing le MINARD’S LINIMENT. Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE. Leighseadh mise o lòine le MINARD’S LINIMENT. Mahone Bay. IAIN MADER. Leighseadh mise o chas ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Bridgewater. IOSUA WEGNACHT. Sean Fhacail. Millidh dànadas modh. Molaidh an t-each math e fhéin. Chaidh dubhag ri dualchas. Trod a’ mheasain ’s a chùl ri làr. Thèid dànadas gu droch oilean. Tilg mìr am beul na béist. ’S i ’n taois bhog a ni màs rag. Iallan fada à leathar chàich. Na sir uisge teth fo chloich fhuar. ’Tha car eile an adhare an daimh. Leig e ’n t-earball leis a’ chraicionn. ’S éigin do ’n fheumach a bhi falbhanach. ’S ann a bhitheas an uaisle mar a chumar i. Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnuic. Mar ’s miannach le brù bruichear bonnach. ’S furasda duine gun náire a bheathachadh. Leighsidh Minard’s Liniment Breac [TD 28] [Vol. 3. No. 4. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 28, 1894. THA nise gle fhaisg air ceithir bliadhna o’n thog sluagh nan Stàitean an guth gu làidir an aghaidh nan àrd-chisean agus air taobh saor-mhalairt, agus ged-a tha, tha na cisean cho àrd ’sa bha iad riamh, ’s cha’n eil saor-mhalairt ach mar ni nach eil moran dùil ris. ’S iongatach an ùine tha iad a toirt air an toil a chur an gniomh. Tha muinntir nan Stàitean a ghnath ullamh gu bhi ’cur sios air cho slaodach ’s cho marbhanta ’sa tha muinntir dhùthchannan eile, ach a nis cha b’ iongatach leinn ged a sguireadh iad dhe’n bhruidhinn sin, an deigh na chunnaic iad de ’n ruighneas am measg luchd-riaghlaidh an dùthcha féin. THA e gle choltach gu’m beil cogadh gu bhi eadar China us Japan, ’s e sin mur eil e air tòiseachadh mar tha. Tha iad air a dhol bhar a cheile mu Chorea, rioghachd bheag a tha fo riaghladh China, ’s air am bheil Japan a leagail a sùilean o chionn fhada, ’sa sanntachadh i bhi aice fhéin. Chuir muinntir Chorea corruich air Japan (rud nach robh doirbh a dheanamh) le bhi glacadh ’sa creachadh sothichean ceannachd na dùthcha-sin; dh’ iarr Japan air China na creachadairean a pheanasachadh, ’s ’nuair nach d’ rinneadh sin, ghabh i an lagh ’na làmhan fhéin ’s chuir i saighdearan gu Corea gu sin a dheanamh. Chuir China an aghaidh sin agus mar sin thòisich an tuasaid. Ma ’se ’s gu’n teid iad a chogadh da rireadh faodaidh iad milleadh mòr a dheanamh air gach a chéile, agus air muinntir rioghachd an eile ach ’s e ’s dòcha nach téid iad ro fhada air adhart ’nuair thig iad gu còrdadh. Tha Japan ro lag ca-dhiu air son a dhol ri China agus dh’ fheumadh i striochdadh dhi luath na mall. Anns an Fhraing tha mile ’sa sia de mhnathan mu choinneamh a h-uile mile fear, ann an Switzerland tha mile ’s tri fichead ’sa sia de dh’ fhir mu choinneamh mile de mhnathan, agus anns a Ghréig naoi ceud ’s tri deug ’ar fhichead. Ann a Hong Kong, China, cha’n eil ach tri cheud ’s tri fichead ’sa sia de mhnathan mu choinneamh mile fear. Cha’n e h-uile duine ’leigeas aghaidh leis a dhol a dh’ iarraidh mnatha ’san áite sin. Braigh Mhargaree. A mhic mo chridhe, nach ann againn a tha ’n t-side fàis; cha ’n fhacas riamh na b’ fhearr. Uisge ’s grian, uair ma seach ’s uair còmhlath, gaoth phlodach o’n deas, ’s mur eil sin math air son fàis cha ’n eil fhios agamsa de tha. Tha Alasdair Mac Gill-fhaoblain a faotainn thairis air a thinneas. Bithidh a luchd-eòlais toilichth sin a chluinntinn. ’S beag an t-ioghnadh muinntir Loch-Ainslie a bhi cho taingeil as a “Mhinehaha” ’nuair a sinn fhéin ’an so cho taingeil. Ach “cha bheathaich taing cù” gun tighinn air duine, agus ma tha a mhaighdean so ri bhi air a cumail aig obair, feumar falbh oirre. Tha mi tuigsinn gu faigh neach aiseag a null ’sa nall ’s mu’n cuairt, oirre gle shaor. Tha mu creidsinn gur h-e Callum Mac ’Illios a bhios a’ cumail sgoile dhuinn air an ath bhliadhna rithist. ’S giulan tapaidh e: tha e ’na dheagh sgoileir, ’na bhàrd ’s ’na fhear-ciùil. ’S ainneamh neach nach cuala “Cnoic us glinn a Bhràighe” air a sheinn, ’s gach neach a chual e ghabh e meas air. FLOIRI. THA sinn toilichte bhi faicinn ar seann charaid, Seòras MacGilleain anns-a bhaile. Tha e ’na fhear-gnothuich aig an Standard Life Insurance Company, cuideachd cho làidir ’s cho measail ’s a tha ri fhaotainn. Bha searmon Gàilig air a thoirt do Ghàidheil Lunnuiun air an ochdamh latha dhe’n mhios, leis an Urr. Eachunn Mac Fhionghain, é Tirithe. Cha’n eil ann am Mr. Mac Fhionghain ach duine òg ach tha e na shearmonaiche math agus anabarrach fileanta ’sa Ghàilig. Leighsidh Minard’s Liniment Cnatan. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c. &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. HEARN & HEARN, Fir-Tagridh, Notairean, &c., &c., Sidni & Arichat. J. H. Hearn, D. A. HEARN Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 29] [Vol. 3. No. 4. p. 5] NAIDHEACHDAN SGAOIL pàrlamaid Ottawa Di-luain s’a chaidh. THA ’n t-Urr. Iain Muireach a bha na mhinistir ’sa bhaile so àireamh bhliadhnaichean, an dràsd air chuairt ann an Ceap Breatunn. THUIT tòrr claiche air dithis dhaoine bha ’g obair ’sa mheinn a Tuath an la roimhe, ’s chaidh fear dhiubh a leonadh gu dona. Chaidh té dhe ’chasan a bhristeadh. THA ’n diamond a’s mo a fhuaras riamh an drasd ann ann Lunnuinn. Thatar an deigh muillean punnd a dhiùltadh air cheana. Tha sannt mor aig Uillean, Impire na Gearmailt air. THA soitheach cogaidh Breatunnach anns an acarsaid air an t-seachdain so. Thainig mu cheud dhe na daoine air tir ’sa mhaduinn dior-daoin agus chaidh iad troimh chluichean an airm aig Rudha nam “Barracks.” THA’n cholera a sgaoiladh air feadh China, ’s tha na h-uirid a bàsachadh leatha ’s gu bheil iadsan a th’ ann an ùghdarras a cleith an àireamh. Ann an aon bhaile, Canton, tha e air a radh gu bheil da fhichead mile air bàsachadh. CHAIDH gill òg, Seumas Fortune, a mharbhadh ann am Mèinn Bhridgeport Di-sathairne s’a chaidh. Thatar a deanamh a mach gur e tuiteam bhar carbad-guail a rinn e ’s gu’n deach an carbad thairis air. So an t-àm dhe’n bhliadhna anns am bi na daoine còire tha air son am paipear Gàilig a chumail suas a cur nan dolairean air adhart. Cho luath ’sa bhios a bhliadhna suas, cuiridh iad a stigh air son bliadhn’ eile. An ann dhiu sin thus’ a charaid? CHAIDH am mac òg a rugadh do Dhiùc York a bhaisteadh an la roimhe. Bha ’n t-uisge bh’air a chleachdadh aig an t-seirbheis air a thoirt á Amhainn Iordain. B’e ’n t-ainm a thugadh air, Eideard Ailbeart Seòras Andra Padruig Daibhidh Ciorstan, ainm a tha fada gu leòr. CHAIDH Niall Mac Illemhaoil, tuathanach còir a bha fuireach air taobh tuath a Bhaigh ’n Ear a mharbhadh Di-sathairne s’a chaidh le breab a fhuair e o each. Bha e deanamh deiseil air son tighinn a stigh do’n bhaile aig an àm. Chuireadh fios air lighiche ach cha b’ urrainn da feum sam bith a dheanamh dha ’s dh’eug e maduinn an ath latha an deigh dha ’n oidhche chur seachad ann an cràdh mor. CHAIDH gille beag, aois seachd bliadhna, le fear Mata Hawley a bhàthadh aig Bàigh a deas Ingonish, Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’cleasachd aig dam muille ’s thuit e dh’ an uisge. Cha robh duine faisg air laimh aig an àm ach a mhàthair ’s leum ise dh’an uisge dh’ fheuchainn am b’ urrainn dhi a thearnadh. Cha d’ fhuair i greim air idir agus mur biodh feadhainn eile air tighinn an rathad, bha i fhèin air a bathadh. Cha d’ fhuaradh corp a ghille gu ceann uair no dha. CHA’N eil an saoghal a dol gu ro mhath le muinntir New Zealand air an t-samhradh so. Tha àireamh mhor gun char oibreach aca ri dheanamh, ’s tha na ceudan aig nach eil ach gann na dh’ itheas iad. THA ’n obair iaruinn ann an Londonderry an drásd na tàmh air son na fùirneisean a chàradh, an deigh dhaibh a bhi ’g obair gun lasachadh fad thri bliadhna gu leth. Feumaidh iad a bhi gun teine faisg air ceithir seachdainean mu’m bi iad cho fuar ’s gun téid aig daoin’ air obrachadh faisg orra. THA na tuathanaich a nis ag obair gu trang air an fheur; ma tha gin dhiubh nach do thòisich fhathast, tha bhuatha greasad orra, oir cha’n ann a’ gleidheadh a bhios am feur an deigh so ach a’ call. Tha moran ag radh nach robh leithid a bhàrr feòir ’san dùthaich o chionn naoidh no deich a bhliadhnaichean. THA biastagan mosach air tòiseachadh air milleadh a choirce ann an Eilean a Phrionnsa, agus a deanamh call mor. Cha luaithe thòisicheas iad ann am pàirce na dh’ fhàsas an t-arbhar meirgeach, seargte, agus cha bhi ’n còrr feum ann. Tha na biastagan ceudna ann an Nobha Scotia agus an New Brunswick. Cha chuala sinn gu’n d’ rànaig iad Ceap Breatunn fhathast, ’s tha sinn an dòchas nach cluinn. THA sgriobhadair anns an “N. S. Herald” ag radh gu bheil “Bartimeus” ann am mearachd a thaobh ciall an ainm “Malagawatch”, nach e “loch lan eileanan”, is ciall da idir. Agus an àite Amhuinn Dhennis a thoirt a h-ainm o Dhennis, an ceann-feadhna Innseanach a bha ’comhnuidh ’an sin an 1820, gur h-ann tha i air a h-ainmeachadh air Nicholas Denys a bha air an eilean so mu dha cheud bliadhna roimhe sin. Bu mhath leinn tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air a chùis. Iadsan a Phaigh. Uilleam Buchanan, Sidni. Alasdair Mathanach, Boulardarie. Uisdean Mac Leoid, Gabarus. A. R. Mac Neill, Lorway Mines. C. D. Stiubhart, Bridgeport. D. R. Caimbeul, Intervale Chloinn Fion’g’n. Murchadh Mac Gilleain, Valley Mills. Gilleasbuig Mac Ille-Mhaoil, Acarsaid Mhor. Aonghas Feargastan, Framboise, ($1.80.) Tormoid D. Mac Neill, Marion Bridge (50c.) Bean Raonuill Dhomhnullaich, Mira. Iain N. Peutan, Palouse, Wash. C. U. Caimbeal, Boston Mass. M. Mac Laomuinn, Quincy, do. Calum Feargastan, San Francisco, ($1.80.) Iain Mac Coinnich, Lunnuinn, (7 air.) Tearlach Mac Aoidh, do. (3 air.) Cailean Siosal, do. Uillean Mac G. Stoddart, do. Mrs. Johnstone, Lancashire, Sasuinn. D. Mac Ille-ghlais, Stellarton, N. S. Eachunn Mac Fhionghain do. An t-Urr. C. Caimbeal, Stathalba, E. P. I. Murcha Mac Laomuinn, Springton, do. Seumas A. MacIlle-mhaoil, Eileanan Coille, do. Iain Mac Coinnich, Hamilton, Ont. H. A. Mac Ille-mhaol, South Finch. do. ANN AN CEAP BREATUNN. ORAIN NA H-ALBA. Cluinnibh ceol na Pioba! Cia mar a tha sibh! Ceud mile fàilte. Tha MR. UILLEAM DOMHNULLACH a Alba an deigh bhi aig Féill an t-Saoghail ’sa cur cuairt air America, gu bhi ann am bailtean na siorramachd so. Bidh e air eideadh anns an deise Ghàidhealaich. Tha e na shár phiobaire ’s na dhannsair, ’s bheir e ceòl gu leòr dhaibh san a théid ’ga éisdeachd, maille ri seinn oran Bheurla ’s Albannach. Bheir e dhaibh na puirt a bhios aig na réiseamaidean Gaidhealach a dol dha na blaraibh, agus iomadh port eile. FEUCH GU’N CLUINN THU E. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 30] [Vol. 3. No. 4. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUIRIDH MAC LEOID. Ràinig sinn Aird a Mhùlaich ro àm dinneir agus fhuair sinn biadh eireachdail anns a chaisteal aig a bhan uachdaran—Banntrach an Ridire Scott. Choinnich mi anns an aite so ri gille òg fiùghail a mhuinntir Uidhist a bha ’s an aon sgoil rium aig Creag Hàstain o chionn ochd bliadhna deug. Tha e na mhaighstir sgoile aig a chomunn a tha cuideachadh ghilean fiùghail air son foghlum na minnistrealachd a thogail. Thog sinn rithe an deigh na dineir gu Bailallein. Is maiseach na caoil agus na h-òban a chaidh sinn mu ’n cuairt dhiubh air an rathad. Bha beanntann is gleanntann ann a chuireadh gean air a chridhe bu dùbhaiche. Bha liantan breagha do fhraoch curacagach dearg-dhitheanach a’ cur, le ’fhàile cùbhraidh meallach, subhachas air ar spioradan. Ràinig sinn Bailailein ro am a bhidh fheasgair. Cha robh an t-Urr. Maighstir Domhnullach aig balle. Bha e aig Coinneamh Cléir ’an Uig. Bithidh muinntir Bàgh a mhairt faisg air Sidni toilichte a chluinntinn gu’m bheil Maighstir Domhnullach gle mhath air a dhòigh. Tha bean aige cho biùghail foghlumaichte is gu’n deanadh i an gnothaich ’an caisteal Ghladstoin. Chuir mi seachad oidhche thoilichte ’s na cairtealan so. Air an latha màireach thug carbad nan litrichean leis mi air mo thurus gu Steòrnobhagh. Bha an la eireachdail agua rinn sin an turas anabarrach toilinntinneach dhuinn. Bha mi duilich nach robh ùine agam taghal air mo charaid an t-Urr. Iain Mac Dhùghail ministeir na h-Eaglais Shaoir ’s na Lochan. Chaith mi oidhche thoilichte maille ris sia bliadhna roimh so. Ràinig sinn “Steòrnobhagh Mhòr a chaisteil” mu shia uairean agus fhuair mi fàillte fhuranach o’n Urr. Maighstir Greenfield na thigh an do chuir mi seachad da oidhche. Air an la mhàireach chaidh sinn a shnàmh gu tràigh a bha mu dhà mhìle an Ear air a bhaile. B’e sealladh éibhinn a bhi ’faicinn an t-seann duine le fhalt fada liath gu baculagagach agus mi-òrdail agus na shròlaibh air eudan ’nuair a thàinig a cheann an uachdar as déigh a cheud dol fodha. Bha mise mar shlat ’s an t-sruth ’nuair a chaidh mi do’n mhuir agus sud air tir mi cho luath ri neach a bhiodh air gabhail air. Lean esan air puthail agus air ròmhanaich ga aornagaich fèin ’sa mhuir car fichead mionaid no còrr mar gu’m biodh muc-mhara ann. Aig an am so bha straidhleich mhòr air feadh na Gàidhealtachd air son briseadh a mach ma’n Urr. MacFarlain agus Dòmhnullach na Sìldeig. Ràinig an ùpraid a bh’ann an cothional aig mo charaid agus bha cuid de ’chuid eildeirean air fàs caoin-shuarach uime. Tha mi ’cluinntinn gu ’n do bhris iad sin agus luchd leanmhuinn lionmhòr de ’chothional a mach agus gu’m bheil iad ag aoradh ann an tigh cruinneachaidh dhoibh féin. Air Disathuirn ghabh mi carbad na litrichean gu Barbhas. Bha sinn ceathrar air bòrd agus is e carbad aon eich agus dà chuibhleach a bh’ againn. Bha gu leòr aig an each bhochd ri dheanamh. A direadh na’m bruthach bha againn ri coiseachadh agus a tearnadh bha ar cudthrom na chuideachadh do’n ainmhidh g’a phutadh sios am bruthach. Air an rathad chaidh sinn seachad air mòran do thighean beaga air an deanamh air ceapan agus ann an glaicean ri cois amhaine a bha beul aig traigh Bharbhais. Chithteadh aig dorus na ’n tighean, no na’n àiridhean so, an so ’s an sud, caileagan òga le cuaran dearg air an ceann agus le ’n deiseachan air an sgioblachadh le crios mu’n leasraidh; agus iad gu baganta le casan ruisg gu’n bhrogan ach stocainean gun bhuinn orra, agus iad a fidhe gu trang air son feum buill an teaghlaich d’ am buineadh iad no feudaidh e bhi air son cuspair gaoil air choir eigin eile. Cha chuala neach smeòrach no eun coilleadh ’s am bith eile bu bhinne ceòl no na caileagan so mar a bha iad a faire a chruith bhaine air bruaich na h-aimhne. Dh’ iarr sinn air fear an eich stad gus am faigheadh sinn deoch o na caileagan ach dhiùlt e a muigh ’s a mach mar a theireadh na seana Ghaidheil. Tha mi creidsinn gu’ n deachaidh sinn seachad air còrr ’s a fichead de dh’ àireachean eadar Steornobhagh is Barbhas. Is e cleachdadh a tha cumanta air feadh Leòghais agus caochladh chearnaibh eile ’s a Ghaidhealtachd a bhi ’cur a chruith mar so a chum na mòintich fad an t-Samhraidh. Tha ’n t-ìm a nithear air a mhòintich mar so anabarach blasda. (Ri leantuinn.) MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 31] [Vol. 3. No. 4. p. 7] NA H-EILTHIRICH. Bu mhiann leam beagan a sgriobhabh mu na Gàidheil a thainig air imrich à Alba do dh’ Eilean a Phrionsa. B’ airidh ainm mòran dhiu bhi air a chumail air chuimhne, agus sin ann an Gailig fhad ’s a bhios Gàidheal ann a’s urrainn Gàilig a’ leughadh, agus tha mise ’n dòchas gu’m bi sin ann fhad ’sa bhios daoine air an talamh. ’S iomadh neach th’ air an eilean so a’s comasaiche na mise gu innse mu’n tiomchioll. Ach o’ nach d’ rinn iad sin, cuiridh mise clach ’s a chàrn ’s cuireadh iadsan air a muin. Ach cha’n eil ann ach “buille air iarann fuar” dhomhsa bhi toirt cunntas air daoine thainig, cuid diu an so team air ceud bliadhna mun d’ rugadh mi. Agus, leithsgeal eile dh’ fhaodas mi ghabhail, ged a bha mi tri bliadhna aig casan Dhomhnuill ’Ic Leoid an Cul-nan-cnoichd a fòghlum Gàilig a leughadh, gidheadh, le bhi còrr us leth cheud bliadhna ’labhairt beurla, ’s gun i agam ro mhath dh’fhàg e mo Ghàilig rud eigin meirgeach. Ach ni mi mo dhichioll. Anns a’ bhliadhna 1770 chuir an duine ainmeil sin Iain Domhnullach—ceann-cinnidh Ghlinnaladail, saitheach mor, da ’m bu shuaicheantas Alexander, le moran dhaoine do ’n eilean so a thog e bhar a chuid fearainn fhéin, Gleann-Aladail agus Gleann-Tinain, agus bhar fearann a charaid, ceann-fiinnidh chloinn Raoghaill Mhuideart, agus à eilean Uidhist. Cha do chuir duine riamh luchd-imrich an so a ghabh a leithid do chàram dhiu ’sa ghabh esan. Cheannaich e fearann dhaibh, s thug e dhaibh aonta fhada air, agus chuir e a bhrathair a nall leo, le gu leor de bhiadh ’s de dh’aodach, ’sa h-uile h-asaig a bhiodh feumail dhoibh gus an d’ thugadh iad am beò-shlaint, as an talamh. Agus ged a bha e ann an greadhnachas us an inbhe cho mòr, chreic e a chuid, ’s dh’ fhàg e h-uile solas us toilinntinn a b’ urrainn Alba thoirt do dhuine, ’s thàinig e nall air an ath bhlidhna a dh’ fhuireach leo fhad ’s bu bheò e. Tha mi ’n dùil gu’m b’e ’n duine so agus Flòri Dhòmhnullach, a rinn cho mor airson a Phrionnsa, clann an dithis bhraithrean. Thainig Soitheach mor eile anns a bhliadhna 1790. Ghabh cuid dhiu sin fearam suas ri Abhainn Vernon ’s taobh an iar Orwell, ’s àiteachan an ear—Georgeton is “ceann a bhaigh.” Fhuair mi eòlas math air moran do dh’ oghaichean ’us iar-oghaichean na muinntir a thainig aig na h-amanna sin, daoine cliùteach, a tha nan aobhar uaill dha ’n dùthaich ’s do na daoine o’n d’ thainig iad. Cha’n urrainn mi ainmeachadh ach beagan dhiu. An t-Easbuig Dòmhnull Dòmhnullach, nach maireann, Mac Aoghais ’Ic Dhòmhnull Boradale. A. A. Dòmhnullach, a bha na ard fhearr-iaghlaidh air an Eilean. Agus Uistean a bhràthair, ’sa tha le chéile ’nam buill Pàrlamaid an Canada,—Seumas E. MacAonghais ic Andra. Tha esan na bhall Parlamaid. Bha agus tha moran dhiu nan Easbuigean—nan Sagairt—’s nan luchd-lagha. Fear eile dhiu sud James R. McIlleain árd fhear-amhairc thairis air obair choitchean (Public Works) an eilean. Thainig an soitheach “Polly” anns a bhliadhna 1803 air am bi cuimhne iomadh latha thall ’s a bhos. ’S ann as an eilean Sgiathanach a thainig an earrann bu mho dhiu sud. Cha bc àilleas no bochdainn, a thug orra dùthaich an aithrichean, agus an càirdean gaoil fhàgail, ach a chaora “chuir stad air a cheaba.” Air a bhliadhna sin thogadh an. Tuath à Rig—Tolm—Beararaig—Tot-uachdrach—Tot-iochdrach, agus à pairt dheth Leth-allt, agus a àiteachan eile do ’n eilean. ’S iomadh cridhe bha ’gam fàsgadh, agus iomadh is deur a dhoirt air na cisteachan a bha iad a lionadh, acasan a bha falbh ’sa fuireach. ’Se thuig an còr an neach a thuirt. “Na guilibh airson a’ mhairbh, ni mo ni sibh caoidh air a shon. Guilibh gu goirt air a shonsan a dh’ imich air falbh oir cha phill e nis mò, agus cha ’n fhaic e tuilleadh tir a dhùchais.” Ach mu dheiredh b’ fheadar dealachadh; chuid dhiu bu treasa cridhe a spionadh chaich o bhrolaichean a chéile. Sheol i ’o chea Phort Righ. Rinn bean bhochd oran anns an d’ thubhairt i— “Air falbh àrrach, hòro dh’ fhag iad an tir Dhaindeoin na dh’ fhalbh air an t-siubhal ’S e chraidh mi mo phiuthar fhin.” Is iomadh Gaidheal thall ’s a bhos a chuala ’n t-oran rinn am bard coir Calum Bàn MacBhannain, a thainig innte, ma na h-uile rudha ’s Eilean air an deach i seachad. (Ri leantuinn.) TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 32] [Vol. 3. No. 4. p. 8] MO CHAILIN DILEAS DONN LE DOMHNULL CAIMEAL. O! gu ma slan a chi mi Mo chailin dileas, donn; Air ’n d’ fhas an cuailain reidh, ’S air an deise ’dh ’eireadh fonn. ’S e cainnt do bheoil ’bu bhinn leam An uair ’bhiodh ni inntinn trom; ’S tu ’thogadh suas mo chridh’ Nuair a bhiodh tu ’brudhinn ruim. Gur muladach a ta mi ’S mi ’n nochd air aird’ a chuain; ’S neo-shunndach mo chadal dhomh ’S do chaidreamh fada bhuam. Gur tric mi ort a smaointeach’, As t’ aogis tha mi truagh; Is mar a dean mi t’ fhaotuinn, Cha bhi mo shaoghal buan. Suil chorrach mar an dearcag Fo rosg a dh’ iathas dluth, Is gruaidhean mar an caorann Fo ’n aodann ’tha leam ciuin, Mur d’ aithris iad na breugan Gun dug mi fein dhuit run; Gur bliadhn’ air fad gach la leam Bho ’n uair a dh’ fhag mi thu. Ged theireadh iad mun d’fhalbh mi Gum b’ shearbh leam dol ’ad choir, Is gun do chuir mi cul riut, ’S gun d’ dhiult mi dhuit mo phog, Na cuireadh sud ort curam; A ruin, na creid an sgleo; Tha t-’anail leam na ’s cubhridh Na ’n driuchd air bharr an fheoir. Mu sheachdainn mun do sheol sinn Is ann a thoisich cach Ri innse do mo chruinneig Nach tillinn-sa gu brath. Na cuireadh sin ort gruaman; A luaidh ma bhios mi slan, Cha chum dad idir bhuait mi Ach saighead chruaidh a bhais. Tha cuid ann de luchd-aimlisg, Luchd-seanachais an droch sgeoil, Le ’n cridheachan lan puinnsein, ’S gun chuimhn ac’ air a choir. Na h-eisd ri ’m briathran breugach, Ge min am beul ’s an gloir; Ma dh’ fhanas sinn bho cheile, ’Si ’n eiginn a bheir oirnn. Tha Caimbalich mar chairdeas Ga t’ ardachadh le strith, Is gu bheil ciud diu ’g raitinn, “Is tairail e seach i.” Mur biodh tu-fhein lan deonach Cha phosamid a chaoidh; An robh do shuil gun fhradharc Nuair ghabh thu ’n roghinn mi? Tha ’n t-snaim an nise ceangailt Gu daingeann agus teann, ’S their cuid de luchd na fochaid, “Cha n-fheil do prothaid ann.” Am fear aig a bheil fortan Tha crois aige ’na cheann; Tha mise taingail, toilicht, Ged tha mo sporan gann. ORAN. Do mhuilean lin Phara Scot ann am Pitloichri. LUINNEAG. A o ril o u air cuibhle an fhortain, A o ril o u air cuibhle an fhortain, Ha in is o hu air cuibhle an fhortain, Sann ’s a mhuilean linn a tha cuibhle an fhortain. Chuala mi bha ’ginnse mu chuibhle an fhortain, Gach neach aig am bi i gu ’n dean e cosnadh. Tha ’n te ’s fearr ’s an tir so aig Para Scot, Us ma bhios e na shlaint cha tamh ’s cha chlos d’i. S mor an sonas inntinn do shluagh an fhearainn s’, Gu bheil muileann linn againn anns gach baile; Fagaidh iad cho min e ’s cho sliom ’s bu mhath leinn, ’S gheibh sinn pairt de dhileab a ni ar garadh. Chuala mi bhi ginnse ’n nuair bha nu ’m leanabh, Aig muinntir na tire ’s am beil mi fanachd; Nach robh ac’ de dhinnleachd na dheanadh glan e; ’S bhiodh iad uile sgith dheth air bheagan deannail. ’Siomadh nionag shunndach a bhiodh ga tharruing, Aca bhiodh an smuid as a’ stri ri ghlanadh; Mhilleadh e an suilean ’s bu mhor an airidh, ’S bhiodh iad lan de thuchadh le stur mi-fhallan. Bhiodh na gillean oga gu faoin am barail Na’m biodh te fo leon duibh nach robh i fallan; ’S cha ’n iarrt’ i am posadh air meud a h-earrais; ’S dh’ fhagadh sin fo bhron i le moran farrain. Tha gach te an trath so a toirt an aire, Air cuibhle ’n da laimhe a ni dhaibh earras; Tha ìad fallan laidir us mar is math leo; ’S tha na gillean daicheil nan deigh nan deannaibh. BHA àireamh mhath ag éisdeachd ri seinn us piobaireachd Uilleam Dhomhnullaich oidhche Di-ciaduinn Chòrd a phiobaireachd ’s an dannsadh gu ro mhath ris na bha làthair. BAIS. Aig Bràigh Mhargaree, air an taeas latha dhe’n Mhaigh, Uilleam Mac Iillios (Mac Aonghais ’Ic Eoghain) tri ficheac bliadhna sa naoidh a dh’ aois. Bha e na dhuine aig an robh meas agus urram nan uile bha eòlach air.—R. I. P. Aig Truro, N. S., air an latha mu dheireadh de Iun, Màiri Chaimbeal, an nighean a b’ òige aig Domhnull Caimbeal. (Eildeir,) am Baddeck Mhor, seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bha i posda aig Aonghas Stiubhart á Pictou, agus dh’fhàg i ceathrar chloinne gu bhi ’ga caoidh, am fear a’s sine coig bliadhna, ’s am fear a’s òige ceithir miosan a dh’aois. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B. [TD 33] [Vol. 3. No. 5. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 4, 1894. No. 5. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. Tha e ’na aobhar toileachaidh dhuinn a bhith comasach air cunntas fhàbharach a thoirt air staid na Gaidhealtachd aig an àm so. Tha fios againn gur math le ar càirdean liomhor ann an America a bhith ’cluinntinn gu bheil am bàrr ag amharc gle mhath, agus gu bheil na prisean ni ’s fhearr na bha iad an uiridh. Is e barail dhaoine glice, geur-chuiseach, gu ’m bi na prìsean a’ sìor éirigh ’na dheigh so. Bha ’Choinneamh Bhliadhnail aig Comunn Gailig Ionbharnis air feasgar Diordaoin so chaidh, agus a réir mar a chuala mi, bha àireamh mhòr shluaigh aig a’ choinneamh. Tha ’choinneamh so air a curnail suas o bhliadhna gu bliadhna, ach cha ’n ’eil i a’ deanamh cuideachaidh sam bith leis a’ Ghàilig. Is o mo mhòr bharail gur mò a tha ’Ghàilig a’ call na tha i ’buinig air thàilleamh na coinneamh so. Mar is trice, cha ’n ’eil neach as a’ cheud de na bhios aig a’ choinneamh a rachadh’ cóig staten a dh’ éisdeachd na bhios de Ghàilig air a labhairt fad an fheasgair. Tha aobhar a bhith ’creidsinn gu’m bu mhiann le àireamh de luchd-riaghlaidh a’ chomuinn barrachd Gàilig a bhith air a labhairt agus air a seinn, ach mar is trice, cha ’n eisd a’ mhòr-chuideachd ach gann còig mionaidean ri òraid Ghailig. Agus cha ’n fhaod am fear aig am bi ri òrad Ghàilig a labhairt leantuinn air labhairt ach mu dheich mionaidean. Mar is trice, is e dà òran, no air a’ chuid a’s mo, a tri orain, a sheinnear fad an fheasgair. Ged a theirear, “Ceanna-bhaile na Gàidhealtachd” ri baile Ionbharnis, is e fìor bheagan spéis a th’ aig sluagh a’ bhaile do ’n Ghàilig. Tha iad ag ràd nach pàigh e dhaibh a bhith ’cumail suas na Gàilig. A réir beachd mhòrain, is e an t-Oban is mò a tha ’deanamh de chuideachadh leis a’ Ghàilig na Ionbharnis. Tha baile an Obain a’ toirt àireamh dhuaisean do ’n fheadhainn a’s fhearr a sheinneas òrain Ghàilig. Tha cuimhne aig luchd-leughaidh a’ MHAC-TALLA gu robh duaisean air an toirt seachd an uiridh ’s air a’ bho’-n-uiridh aig a’ Mhòd Ghàidhealach a bha ’s an Oban, do ’n fheadhainn a b’ fhearr a sheinneadh ’s a leughadh ’s a sgriobhadh ’s a labhradh ann an Gàilig, agus mar an ceudna do ’n fheadhainn a b’ fhearr a chluicheadh puirt is oran Ghàidhealach air a’ chlarsaich. Tha ’n treas Mòd gu bhith anns an Oban air an aona latha deug de mhìos meadhonach an fhoghair. Tha tri fichead punnd Sasunnach ’s a’ deich (£70) ri bhith air a thoirt seachad mar dhuaisean air a’ bhliadhna so. Ma leanas an “Comunn Gàidhealach” roimhe mar a tha e ’deanamh, bidh barrachd meas air a’ Ghàilig na bha oirre riamh. Tha ni no dhà glé chomharraichte air am feum sinn beagan fhacal a radh, agus is e sin, gu bheil mòran a dh’ uaislean na dùthchadh a nochdadh gu bheil meas mòr aca air a’ Ghàilig. Tha am Morofhear Gilleasbuig Caimbeul, mac Diùc Earraghàidheal, cho toileach a bhith cumail suas na Gailig ri mac màthar a tha beò. Tha e toirt deich puinnd Shasunnach seachad am bliadhna, mar cheithir duaisean, do ’n fheadhainn a’s fhearr a sheinneas òrain Ghailig agus a chluicheas aig a’ cheart àm na fuinn air a’ chlàrsaich. Mar an ceudna, feumar aideachadh, gu bheil mòran de dhaoine bochda na dùthchadh ag amharc sios air a’ Ghàilig ged nach ’eil an àireamh a’s mò dhiubh comasach air a’ bheag de chòmhradh a dheanamh ann am Beurla. Is e am barail gur i a’ Ghàilig a tha ’gam fagail bochad ann an crannchur. Is barail anabarrach amaideach a’ bharail so. Tha barrechd mòr de dhaoine bochda gun smid Ghàilig ann am bailtean mòra na rìoghachd na tha de Ghaidheil air an t-saoghal mu ’n iath a’ ghrian. Is i chomhairle a bheireamaid air gach Gaidheal. “Air a h-uile cor ionnsaich Beurla, ach air chor sam bith na dean dearmad air a’ Ghàilig.” 17, 7, ’94. F. O. S. Litir a Lunnainn. Bha Coinneamh mhòr bliadhnail nan Cimreach (Welsh) ris an abair iad an Eisteddfod air a cumail air an t-seachduinn s’a chaidh. ’S mor an obaìr a tha comunn na h-Eisteddfod an deigh dheanamh airson cainnt agus cleachdaidhean nan Cimreach, agus ’s e dh’ aobhairich gu’m beil an oidhirpean cho soirbheachail gu’m beil muinntir na dùthcha gu leir ag amhairc air a mhòd mhòr so mar ni a bhuineas do gach neach dhiubh féin air leth, agus gu ’m beil iad a teachd ga ionnsuidh ’na’m miltean o gach cearn. Tuigidh sibh cho laidir agus cho beartach ’s a tha ’n Comunn so nuair a dh’ainmicheas mi gu’m b’e chiad duais a chaidh a thoirt seachad airson seinn choisir ceud gu leth punnd Sasunnach (£150) agus bha na duaisean eile da réir sin. Bha Prionnsa Uales agus a Bhan-phrionnsa aig an Eisteddfod air an dara là, Diciadain, agus tha so a sealltuinn gu’m beil iad a saoilsinn rud-eigin de chainnt agus de bhàrdachd na dùthcha o’m beil iad a faotainn an ainm. ’S mor am beud nach gabhadh an Comunn Gàidhealach leasan bho na Cimrich. An àite bhi cumail a Mhòid anns an Oban na h-uile bliadhna ’s i mo bheachd gu ’n soirbhicheadh iad moran ni b’ fhearr nan cuireadh iad cuairt air a Ghàidhealtachd gu léir. Tha Glascho, Peart, Inbhirnis agus iomadh àite eile cheart cho freagarrach airson a Mhòid ris an Oban. Leugh mi ni iongantach ann am paipeir Gàidhealach an là roimhe. Tha duine dubh, Innseanach a rugadh an Lucnow, a fuireach ’an Glascho an dràsd, agus tha e tairgseadh, (am measg chànainean eile) Gàidhlig Albannach a theagasg! Co nis a their gu’m beil a Ghàidhlig a dol bas? Iun, 18, ’94. CABAR FEIDH [TD 34] [Vol. 3. No. 5. p. 2] AN ORAID GHAILIG a bha air a liubhairt do Chomunn Gàilig Ionbhairnis le Dr. F. M. Mac Coinnich. Fhir-na-Cathrach, a Bhaintighearnan ’sa dhaoin-uaisle—Tha e na chleachdadh a bhi labhairt focal no dha, aig a choinneamh bhliadhnal so, ann an cainnt ar màthair—a Ghàilig bhinn, cheòlmhor. Agus gu dearbh bu nàrach agus maslach an gnothuich n’am bitheadh buill Comuinn Gàilig Inbhirnis a caitheamh an fheasgar so gun focal Gàilig an cinn. Ach is ann a tha againn, orain, ceòl, ’us dannsa a chuireadh aoibhneas air Ossian aosda fein n’an robh e n’ar Comunn an nochd. ’Se so an dara uair a chuir luchd riaghlaidh a Chomuinn an t-urram ormsa an òraid Ghàilig a thoirt seachad, oir aon bliadhna diag o’n nochd labhair mi ribh ’sa Ghàilig. Cha’ neil fios agam carson chaidh iarraidh ormsa an t-searmoin so thoirt duibh, oir mar is trice, aig leithid so do dh’am, ’se ministear a tha dol na chùbaid. Tha mi cinnteach nach eil an Comunn tinn, agus uime sin a cuir feum air leighiche, oir cha robh e riamh cho làidir, slàn, falain, ’s tha e nochd. 1. Anns a cheud aite, dh’ iarrainn a bhi ’g ainmeachadh mu bhas Mr. Andrea Mac Coinnich, ministear Chill-a-mhoraig, a thachair o’n choinnich sinn an so mu dheireadh. B’ esan a thug a cheud oraid seachad aig stéidheachadh a Chomuinn—seanar usual, foghlumta, agus àrd sgolair Gàìlig. Ach bu chòir dhuinn a bhi taingeal an uair a tha aon saighdear a tuiteam, gu’m beil fear eile ag èiridh na àite. Anns a bhaile so fein, tha againn fior sgolair Gàilig ann am Mr. Mac Beathan; agus bithidh sibh toileach a chluinntinn gum beil am Faclair Gàilig a bha e cuir ri cheile airson iomadh bliadhna a nise gu bhi ullamh. Cha’n ann na h-uile la thig leithid a leabhar air tir. Leabhar eile dh-iarrain ainmeachadh—“Eachdraidh Urchudain ’us Glinne Morustain,” le mo charaide ’us m’ fhear duthcha Mr. MacAoidh—leabhar a tha làn eòlais agus fiosrachidh mu’n Taobh-tuath—agus companach ro mhath air oidhche fhada gheamhraidh. Tha mi an dòchas nach bi Gàidheal eadar so agus Australia agus America nach faigh an da leabhar so. Airson m’ fhear cinnidh, Mr. Alastair MacCoinnich, seanachaidh na fineachan Gáidhealach, cha’ neil tàmh air a latha no oidhche ach a sgriobhadh eachdraidhe fine air chor eigin. Tha mi tuigsinn gum beil na “Frisealaich” gu bhi gu h-aithghearr an làmhan an luchd leughaidh, agus tha mi cinnteach gum bi i cho foghlumte ris na chaidh roimhe. Tha mi ’n dochas gum bi na Frisealaich na’n leughadairean cho math ri Clann ’Ic Coinnich, air chor ’s gun bi clo-bhualadh eile air iarraidh air ball, mar a thachair do’n fhine agam fhéin. Gu dearbh tha bhriathra a Bhàird air teachd gu teach:— “Nis togaidh na Gàidheil an ceann, ’S cha bhi iad am fang nis mò; Bidh aca àrd fhoghlam nan Gail, A’s tuigse neo mhall na chòir.” Agus carson nach bitheadh sin mar sin? Nach eil againn ard fhear-teagaisg na Gàilig an Oil-Thigh Dhuinedin; nach eil Pàrlamaid a toirt airgiod airson a bhi ga teagasg ’sna sgoilean. Cha robh i riamh cho measal aig uaisle ’us daoine fòghlumta ’s tha i an diugh. Chan ’eil aobhar sam bith a nise gun deanadh fear teagaisg ’san taobh-tuath a leithid do mhearachd eagalach ’sa rinn ministear àraidh roimhe so. Aon la bha e dol o’n taigh; agus a chionn ’s gun robh e dol an rathad garbh, goirid, agus cha’n ann an rathad fada reidh, thug e òrdugh dha sheirbheiseach an diollaid a chur air an each anns na briathra so:—“Ian, Cuir an Diabhul air an each, oir tha mise dol do’n àite ’s miosa an diugh”—fior dhroch eiseamplair o’n bhuachaille do’n treud! Mar chànan aosmhor ’s mar chànan binn, blasmhor, bu chòir dhuinn a Ghàilig a chumal suas— “Ma chreideas sinn MacAlpainn fiùghal B’e Ghàilig tùs nan cànan; Bh’ aig Adamh anns a ghàradh ùr Mus d-fhuair e cùnadh Shatain.” Ach co dhiubh a labhair Adamh i gus nach do labhair, cha’n eil e deanamh moran eadar-dhealachadh. Tha aon ni cinnteach—labhair m’ athair ’s mo mhàthair-se i, agus iomadh duine còir agus bean mhath eile— “Tha Ghàilig cruadalach, cruaidh, sgairteal Do dhaoin’ uaisle reachdmhor, làidir; ’N am treubhantais na gaisge ’Si ’s deas fhacalaich ’san àit’ ud. “Tha i ciùin an cùisean fialaidh Chur an gniomh a briathra blàtha; Tha i cor a sgoilteadh reusan Chum daoine gun chéil ’chur sàmhach. “’Si fhuair sinn o’n na pàrantan A rinn ar n-àrach òg; ’Si bu mhath leinn fhàgal Aig an àl a tha teachd oirnn.” ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. G. H. GUZZWELL, SIDNI, C. B. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan. [TD 35] [Vol. 3. No. 5. p. 3] 2. ’S an dara aite, bheirinn comhairle do’n mhuinntir òg a rugadh ’sa dh àraicheadh am measg nam beann. “Lean gu dlù ri cliù do shinnsear, ’us na dibir bhi mar iadsan.” Dh’ ullaich am Freasdal fialaidh gach ni tha freagarrach airson a bhi cumail suas inntinnean ’us cuirp an luchd àiteachaidh. Tha òranan ’us ceòl a bhuineas do gach dùthaich tha freagarrach ’us nàdurrach do mhuinntir na dùthcha sin. Na bitheadh sibhsa, uime sin, caltach ri ròcas ga sgeadachadh fein le iteagan peucaig agus a toirt a chreidsinn oirbh féin gur iad òranan ’us ceòl na h-Eadailte is fearr air bhur sonsa na òranan ’us ceòl na Gàidhealtachd. Bheirinn a nise comhairle leighiche oirbh—gun a bhi ’g iarraith òir no airgid oirbh. Ithibh na nithe sin a tha fàs ’nar dùthaich féin—lighte agus bainne, buntàta agus sgadan, agus feòl muilt a chinn duibh. Thubhairt an t-orrn “Feumaidh mnathan uaisle “ti,” ’Sgur goirt an cinn mur faigh iad i,” Cha ’n ann ’sna Innsean no an China a rugadh sibh air chor ’s gum bi sibh ag òl ti a dh-oidhche ’s do latha. Is brònach a bhi faicinn gillean ’us caileagan òga le gruaidhean glasa ’us cuirp chaola a chionn ’s gum beil iad a deanamh dimeas air a bhiadh ’s an deoch a dh’-ullaich am Freasdal dhoibh. Tha moran do thrioblaidean a dol an diugh nach cuala ’s nach d’ fhairich ar seanairean ni mu ’n deibhinn. 3. Ach tha so ga mo thoirt gu treas ceann na searmoin. Cha ’n fhàs buntata no coirce air na sràidean, uime sin feumaidh an talamh a bhi air àiteachadh agus air a chur gus an fheum air son an deach a chruthachadh. O chionn beagan bhliadhnachan bha mi frithealadh neach tinn, ochd mile a mach as a bhaile so. Dh’ òrduich mi bainne dha. “Tha sinn a faighinn beagan bainne,” ars’ iadsan, “à inbhirnis.” An cuala sibh riamh a leithid? tighinn ochd mile as an dùthaich do ’n bhaile-mhor a cheannach bainne! A nis, ’s e cheisd mhòr, cha ’n e a mhàin anns a Ghàidealtachd ach air feadh na rioghachd gu léir—Ciamar is urrainn sinn an sluagh a thoirt air ais gus an dùthaich a rithist? Agus dh ’iarrainn a bhi gabhail a chothrom so airson taing follaiseach thoirt dhuibhsa, Fhir-na-Cathrach airson na rinn sibh as Gàidheal, anns a Phàrlamaid agus as a Phàrlamaid. Bu sibh riamh fior charaide na ’n Gàidheal. Agus cha robh an Comunn Gàilig so féin air deireadh anns an deagh obair, oir is e tha ’n run a chomuinn, a measg nithe eile, “Coir agus cltù nan Gàidheal a dhion; agus na Gàidheil a shoirbheachadh a ghnà ge bu àit’ am bi iad.” Chaidh moran a dheanamh a cheana, ach tha moran ri dheanamh fathast. Anns na laithe a dh-fhalbh, is iomadh cridhe aoibhneach a bha air a dheanamh fàs. Canaidh mi so—agus b’fhearr leam gun tuigeadh gach neach ’am éisdeachd mi—gu’m beil an Cruithfhear a ghnà ni ’s glice ’s ni ’s caoimhneile na’n creutair; agus cha ’n urrainn neach air bith bristeadh air rùintean ’us air laghannan an Uile-Chumhachaich gun a bhi fulang call agus peanas airson a dheanadais. Mar thubhairt mi ribh a cheana, mur ith sibh am biadh a dh’ ullaich Freasdal air ur son, fuilingidh sibh nar slàinte; ’us mar d-théid talamh na tire a chuir gus’ a bhuil airson an deach a chruthachadh, tha ’n rioghachd gu léir a fulang call. Agus chan ’eil neach ’sam bith a cuir an teagamh nach be run Freasdail gum bitheadh na glinn bhòidheach, ’s na srathan tarbhach, ’s na sliosan uaine air feadh na Gàidhealtachd air an àiteachadh le daoine ’s le mnathan, ’s le clann bhig, agus cha’n ann le fiadh-bheathaichean na ’m machrach. Ach gu co-dhùnadh mo shearmoine. Air mo shon féin tha mi làn dòchais agus creideamh a thaobh na Gàidhealtachd. Bithidh na glinn fhathast air an lionadh le sluagh. Bithidh séidrich an eich irauinn ri chluinntinn dol triomh na glinn, ’us thairis air na monaidhean, agus cuiridh e eagal ’us broilein air chrith air gach buidseach ’us bòcan, gach sithiche ’us each-uisge, air chor ’s nach faicear ’s nach cluinnear gu bràth tuilleadh iad. Bithidh sluagh, cruadalach làidr, falain ag àiteachadh tir nam beann; agus iadsan ’s na bailtean-mora tha cur feum air slàinte cuirp no fois inntinn, thigeadh iad do’n Taobh-tuath, ’us gheibh iad na bhitheas a dhìth orra. Gu ma fada beò sibh, Fhir-na-Cathrach, agus Comunn Gàilig Inbhirnis, chum a bhi toirt mun cuairt na nithe math agus feumal sin. Minards Liniment air son Loine. Goriteas a chinn fhéin a dh’fhairicheas a h-uile fear. Ged a chaidh fradharc Ghladstoin am feabhas an deigh an sgleò a ghearradh dheth ’shùil, tha e fàs dona a rithist. Tha ’n sgleo a fàs as ùr agus feumar a ghearradh uair eile. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. THA sinn an dòchas nach eil air càirdean ’g ar diochuimhneachadh; cha’n eil iad a’ cur an airgid air adhart mar bu chòir dhaibh idir. Tha sinn gle fheumach air aig a cheart am, ’s tha sinn ag earbsa á Clannaibh nan Gàidheal nach leig iad éis oirnn. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment Bhon la chaidh ban-righ Victoria air righ-chathair Bhreatuinn, leth cheud bliadhna sa seachd air ais, cha ’n eil righ-chathair air an t-saoghal nach robh air a fallambachadh, agus cnid dhiu barrachd us aon uair. Anns an ùine cheudna bha deichnear dhaoine nan Priomhairean air Breatunn ’s cha ’n eil gin dhiubh beo an diugh ach Gladstone us dithis eile. Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. Leighis MINARD’S LINIMENT mise o dhroch cnatan Oxford, N. S. R. F. HEWSON. Leighis MINARD’S LINIMENT mise o chas ghoirt. Yarmouth, FRED COULSON. Leighis MINARD’S LINIMENT Ròs Dubh ormsa. Inglesuille, J. W. RHGGLES. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 36] [Vol. 3. No. 5. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 4, 1894. THA China us Japan air tòiseachadh air cogadh ’s cha bhiodh i ’na iongatas mor idir ged a leanadh iad air gus an toir an darra dùthaich suas, no gus an cuirean stad orra le rioghachdan eile. Cha ’n eil Japan faisg cho làidir mo cho beariteach ri Chnia ach tha i na’s adhartaiche ann an armachd ’s na’s ionnsaichte ann an armachd ’s na’s ionnsaichte ann an cleachdadh arim, agus faodaidh i mar sin a bhi na’s ruighne ri ciosnachadh na shaolamaid. Agus cha chuireadh e ioghnadh air moran ged a bheireadh i buaidh air China. Tha iad an deigh blàr no dha a chur cheana. Thug soitheach cogaidh no dha le Japan as deigh soitheach le China o chionn ghoirid agus chui i dh’ an ghrunnd i leis a chuid bu mhò dhe na bh’ air bòrd. Thug iad an ionnsaidh cheudna air soithichean eile air an t-seachdain so, ach chuireadh an ratreud orra. Ged a rachadh China us Japan an amhaichean a chéile cha bhi guth ri radh mur bi rioghachdan na Roinn Eorpa air an tarruinn do’n chòmhstri. Tha Ruisia gle dheòneach gu’n rachadh gun fhios nach faigheadh i fhéin cothrom air làn a spòige de dh’fhearann a thàrradh, mu’m bi iad ullumh, agus cho cinnteach ’sa ni Ruisia greim air àite sam bith, ni Breatunn greim air ait-eigin eile, agus, ma thacharas sin cha bhi China us Japan leotha fhéin ’sa chogadh. Cha’n eil ann an Corea, an duthaich mu’m bheil iad a còmhstri, ach dùthaich bheag, agus dùthaich bhochd. Tha righ a riaghladh thairis oirre, ach cha’n eil e ach gle lag-lamhach, agus tha e fhèin ’san dùthaich ann an tomhas mor fo riaghlach China; agus ’s ann a sanntachadh an riaghlaidh sin dhith fèin a tha Japan ’n uair a tha i tòiseachadh air a chogadh. CHA’N eil cùisean ach mi-rianail gu leór ann an Newfoundland air an t-samhradh so. Chuireadh a phàrlamaid ma sgaoil o chionn da mhios no còrr, agus ’n uair a bha buill ùra air an taghadh, bha chuid mhor dhiubh air an cur á dreuchd air son a bhi ceannach nan bhotaichean, agus air tàilleabh sin, bha ’n da phàirtidh air an cumail mu’n aon mheudachd, ’s cha leigeadh taobh seach taobh leis an taobh eile an làmh a chur ris an stiùir. ’Se dh’ eirich dhaibh air an dòigh sin nach robh riaghladh aca ’san dùthaich idir fad treis mhath a dh’ùine, agus ’s ann air an t-seachdain so fhéin a fhuair an darra pairtidh làmh an uachdar air a’ phàirtidh eile, ’s tha phàrlanaid a nis gu suidhe aon uair eile. A bharrachd air na trioblaidean sin bha aca ri bhi còmhsrit ris na Frangaich. Tha na Frangaich ann an seilbh air eileanan St. Pierre us Miquolen, faisg air cladach Newfoundland, agus tha iad ’nan coimhearsnaich a tha gle dhragail. Tha cònnsachadh eadar iad féin us muinntir Newfoundland a thaobh an iasghaich air a chladach, agus tha fairtleachadh orra tighinn gu còrdadh. CHAILL California gu mor air stad nan rathaidean-iaruinn. Bha ’m barr glé fhad air ais air an da bhliadhna chaidh seachad; air a bliadhna so bha gach seòrsa barra anabarrach pailt, ach aig a cheart àm ’s an robh e deiseil gu bhi air a chur air falbh gu margadh, bha na rathaideaniaruinn air an dùnadh suas. Tha e air a radh gu’n do ghrod na miltean tunna dhe gach seòrsa meas air na craobhan air an d’ fhàs e. CHAIDH pris anabarrach a phàigheadh air dealbh ann an Sasuinn o chionn ghoirid. Bha’n dealbh air a deanamh le Sir Iosua Reynolds, dealbhadain cho ainmeil ’sa bha ’n Sasuinn riamh. Chaidh a crelc air aona mile deug gun, neo anns a chùineadh againne, mu leth-cheud us cóig mile dollar. Tha i gu bhi aig Baron de Rothschild. ’Se pris a’s àisde chaidh a phàigheadh air dealbh riamh. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 37] [Vol. 3. No. 5. p. 5] NAIDHEACHDAN CHAIDH muillean nan Cossitts, pios beag a mach á Sidni, a losgadh oidhche Di-luain. THA Seanadh nan Stàitean an deigh muillein dollar a chur air leth air son cur as do ’n ghiogan ann an Dokota. THA seanalair Booth, ceannard Armailt na Sltàinte (Salvation Army) a tighinn air sgriob do Chanada air a mhios a tighinn. CHAIDH tuathanach d’ am b’ ainm Iain Mac Leòid a mharbhadh leis an dealanach ann am Manitoba air an t-seachdain s’a chaidh. BHA stoirm mhor thairneanach us dealanach againn feasgar na Sàbaid s’a chaidh, stoirm cho garbh ’sa bh’ againn o chionn àireamh bhliadhnaichean. ANN an Genoata, ’sa Chuan a Deas, duine sam bith nach téid do’n eaglais tri uairean ’san t-seachdain, air a chuid a’s lugha, faodar càin a chur air mo a chur do’n phriosan. Thusa nach do chuir air adhart do dhollar, greas ort, ’s na cuir an còrr dáil ann. Faodaidh tu call nach saoileadh tu a chur air a phaipeir le ’chumail agad fhéin tuilleadh us fada. THA coinneamh de Chloinn Ghilleain ri bhi ann an Halifax Di-màirt s’a tighinn air son gnothuichean a chur air dòigh a thaobh cruinneachadh a tha iad an dùil a bhi aca ’sa bhaile sin an ceann mios no dha. BHA’n claidheamh aig Wolfe, an ceannard treun a thug Louisburg us Quebec bho na Frangaich, air a creic ann an Sasuinn o choinn ghoirid ’s tha ’n duine leis an leis i an nis a’ dol ’ga cur a nall thar cuain mar ghibht do Chanada. CHAOCHAIL Seumas Mac Neill, fear de cheud luchd-àiteachaidh an Eilein Mhòir, Di-sathairne s’a chaidh. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir deug a dh’ aois. Tha a bhean, a bha mu’n aon aois ris fhéin beò fhathast. CHAIDH dithis ghillean a bhàthadh aig Moncton N. B., an la roimhe. Bha iad a mach a’ snàmh ’s chaidh am fear a b’oige fodha, chaidh a bhràthair g’a chuideachadh, ’s cho luath ’sa fhuair e greim air, chaidh aid fodha le chéile. ’NUAIR a bha ’n “train” a dol a stigh do Thruro an oidhche roimhe, leum dithis dhaoin’ òga dhith mu’n do stad i, agus thuit iad, fear dhiubh air posta agus fear eile ’m measg bharailtean, ’s bha iad air an droch leònadh. ’S e cho tapaidh ’sa tha cuid de dhaoine a chuireas á cnaimh na h-amhaich iad uair no uair-eigin. THAINIG soitheach Sasunnach a stigh do Philadhelphia, an la roimhe, ’s duine dubh ’na chaiptean oirre. Chuir so na Geancaich a dh’ fheòrach am beil cùnntas air duine dubh a bhi ’na cheannard air soitheach Geancach; agus cha d’ fhuair iad sgeul air a leithid a dh’ aindeoin gach rùrach a rinn iad. Thug na Stàitean an saorsa do na daoine dubha, ach ’s mor an ceann-fodha a th’ aca orra fhathast. THA “pic-nic” gu bhi aig a Bhras d’ Or Bheag air an 22ra latha dhe’n mhios so, air son airgiod a chur cruinn gus taigh ùr a thogail do ’n Urr. M. A. Mac-a-Phearsain, sagart a Bhras d’ Oir. Tha dùil ri Sir Iain Thompson us fear no dha eile de luchd-riaghlaidh Chanada a bhi làthair ’s cha’n eil teagamh nach cruinnich sin moran sluaigh. CHAIDH fear Gilleasbuig Osman, fear-coimhead an teine air an t-soitheach-smùide Louisburg, a bhàthadh aig an “International Pier” feasgar Di-luain s’a chaidh. Chaidh e fhéin ’s fear eile shnámh faisg air an laimhrig ’s bhuail greim e a thug comas a lamhan ’sa chasan uaithe. Ghlaoidh e air son cuideachadh cho luath ’sa dh’ fhairich e sin a tighinn, ach mu’n d’ rainig cobhair e, bha e air a bhàthadh. Chaidh a thiodhlacadh ’sa bhaile Di-màirt. ANNS na coilltean ’an Columbia Bhreatunnach, tha àireamh mhor de bhailtean beaga, aig daoine tha ’deanamh am beòdhachd air gearradh fiodha ’s air marbhadh seilge. Sguab teine mor troimh na coilltean sin air an t-seachdain s’a chaidh, agus b’ fheudar do’n t-sluagh toirt do’n uisge gus iad fhéin a thearnadh. Buinidh moran dhuibhsan a chaill an dachaidhean air an doigh so do na mor-roinnean iosal so. Cha ’n eil iad cinnteach fhathast nach do chaill cuid am beatha. BHA Sàcramaid na Suipeir air a frithealadh aig an Amhuinn Mheadhonaich air a chòigeamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha àireamh mhòr cruinn, ’s bha ’n latha briagha, fionnar. Shearmonaich na h-Urr. D. Dughallach, Bhaddeck, us A. Mac ’Ille-mhaoil, a Bhai ’n Iar. Bha Ghàilig, mar a b’ abhairt, air a searmonachadh am mach fo dhuthar chraobhan mora “mèipil” us leamhain, agus shuidh àireamh de choigrich as na Stàitean aig fear de na bùird Ghàilig. O CHIONN faisg air tri bliadhna roimhe so chaidh fear Iain Mac-a-Phi a mhuinntir na méinne Tuatha thar sgeoil ann am Montana. Cha chualas guth riamh uime, gus o chionn seachdain no dha, ’nuair a fhuaireadh a chorp le dithis dhaoine bha mach an garbh-chriochan na dùthcha sin ag iarraidh mheinnein. Bha a chorp na shineadh aig bun craoibhe, ’s pairt dhe chuid aodaich uime agus bha ’uaireadair ann am pòcaid a pheiteig. Cha robh dòigh aca air a dheanamh am mach ciod a ghné bàis a fhuair e. THA Iarla Abaraidhean air an t-seachdain so ann am baile Halifax, agus tha e á sin a dol air chuairtean tre Nuadh Bhrunswick us Eilean Phrionnsa Eideird. Cha d’ fhuair sinn fios fhathast co dhiu tha mo nach eil e fhéin ’sa bhaintghearn’ a tigh’nn air sgriob do Cheap Breatunn, ach ma ’s e ’s nach tig iad, caillidh iad sealladh air dùthaich cho àluinn s’a chunnaic iad riamh, dùthaich bheanntan àrda ’s lochan bhòidheach, dùthaich a tha na h-uile tha mach air cuairt shamhraidh a ruigheachd, agus ’nuair a ruigeas iad i aon uair ruigidh iad i rithist. ANN AN CEAP BREATUNN. ORAIN NA H-ALBA. Cluinnibh ceol na Pioba! Cia mar a tha sibh! Ceud mile fàilte. Tha MR. UILLEAM DOMHNULLACH a Alba an deigh bhi aig Féill an t-Saoghail ’sa cur cuairt air America, gu bhi ann am bailtean na siorramachd so. Bidh e air eideadh anns an deise Ghàidhealaich. Tha e na shár phiobaire ’s na dhannsair, ’s bheir e ceòl gu leòr dhaibh san a théid ’ga éisdeachd, maille ri seinn oran Bheurla ’s Albannach. Bheir e dhaibh na puirt a bhios aig na réiseamaidean Gaidhealach a dol dha na blaraibh, agus iomadh port eile. FEUCH GU’N CLUINN THU E. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 38] [Vol. 3. No. 5. p. 6] NA H-EILTHIRICH. LE M. MEC LAOMUINN. B’ iomadh sùil fhliuch a bha coimhead thar mullach nan cnochd a b’ àirde gus an d’ thug an cuan as an sealladh i, agus b’ iomadh sùil chianail a thug iadsan a bha air bòrd, a’ gabhail an cead gu bràth le tìr an gaoil. Is urrainn sinne a thàinig thairis air a chuan mhor a thuigsinn an t-ànradh a thachair riu air an fhairge, ach cha tuig sinn gu bràth an sàrachadh ’s an cruaidhchas troidh ’n deach iad an so fad iomadh latha, oir ged a bhiodh iad fhéin beò cha b’ urrainn dhaibh cainnt a chur air. Air am fàgail (faodaidh mi radh) air sgeirean us cladaichean Belfast, Point Prim, us Bell Creek, an cuan mòr air an darra taobh ’sa “choille ghruamach” air an taobh eile far nach faiceadh iad ach mathain is sionnaich us corra Innseanach lachdunn ag ealaidh am measg nan craobh. B’ éiginn tòiseachadh air leagadh nan craobhan mòra gu àite a réiteach as an tugadh iad an lòn. Ged a thug iad biadh us aodach leo cha do mhair e ro fhada; “teirgidh cruachan-beann gun dad a chur na cheann.” Ach coma co dhiu, thogadh na campaichean, ’s an uair a thàinig an samhradh, loisgedh am barrach ’s thóisich iad air tolladh us cladhach nan geadag ’s nam fannag, a measg stuic nan craobh ’s nan riamhaichean, gun neach ann a sheòladh iad; ’s docha gum bu tric iad a seinn:— “S ann an America thu sinn an tràths’ Fo dhuthar na coille nach teirig gu bràth, Nuair dh’ fhalbhas an dùbhlachd ’sa thionntas am blàs Bidh measan is ùbhlan gu h-ùrail a fàs. Nise tha mi smaoineachadh nach eil a h-aon beò dhiu sud an diugh. Ach ged a thainig iad an so direach fichead bliadhna mu’n d’ rugadh mise, agus 37 bliadhna an so romham, fhuair mi eòlas math air pàirt dhiu. ’S bha ’n Gàilig cho math ’sa bha i la dh’ fhàg iad Port Righ. Bha agus aig an cloinn nan deigh. Dh’fhaodainn ainmean moran dhiubh innse ach ’nuair a chuimhnicheas mi cho beag ’s a tha MAC-TALLA tha “trustan” nàir orm, oir cha ’n eil mi leitheach mo dhannsa fhathast. Clann Illeain, Mhurchaidh, Alean, Clann-ic-Phail Clann-a-Phearson, Teaalach Mòr Stiùart, Dòmhnull Dughallach, Ruari Mòr MacLeoid, Alastair Mac Illeain, agus Lachluinn Mac Leòid, a ghiulain siol cur buntàta air a mhuin dà fhichead mile. Ach ’s fheudar dhomh dol ceum eile. Anns a’ bhliadhna 1806. thainig moran mach à Eilean mhuile ’s a Coloisai, daoine gaisgeil còire. Ghabh iad fearann ris a chladach-a-deas a niar air Charlottetown. Tha ’n sliochd an duigh nan tuath bheairteich anns a Rudha Mhor, Canoe Cove, Crapaud, Tryon, Cape Travers, agus cuid eile anns na h-Eileanan Coille. Thainig tuilleadh, as an Eilean Sgiathanach sa Ratharsaidh ’sa bhliadhna 1828; ghabh iad sin sealbh tiomchioll ceann Orwell agus Uige. Daoine crionnta glice, ’sa thug, moran dhiubh, foghlum àrd da ’n cloinn. Ann an 1830 agus 1834, thàinig moran as an Eilean Sgiathanach ’sa Ratharsaidh. ’S ann ’sa bhliadhna 1830 thàinig na daoine a leag a chiad chraobh an “Coille Mhòr Bedeque,” Strath Alba. Thòisich iad ochd mile o rathad mòr. Bhc coigeir dhiubh ’s an aon champ a chiad gheamhradh, Iain Ros, Dòmhnull Mac Fonghinm, Maolmoire, Malldònaich, Alastir Màrtinn, Calum Bàn, Padrig Stiubhart, Iain Mac Eòin, ’us Iain Mac Alastair. Tha dlùth air da chiad teaghlach ’san sgire ’n diugh agus da eaglais bhreagh aca. Shaoileadh coigreach gu robh iad a’ dol suas cho soirbh ri da chruaich mònadh, oir bha ’n sluagh cho toileach,—“na Gaidheil ri guaillibh a cheile,”—mar a bha, a tha ’sa bhitheas.” Thainig tri soithichean as an Eilean Sgiathairach ’sa Ratharsaidh ’sa bhliadhna 1840. Sheol a dha dhiubh a Loch Uige. Phill an treas te, an deidh tighinn còig ceud mile, dh’fhas i eudionach. Ach chuireadh a nall iad air sotheach eile, Thainig mise air an Luing mhòir a sheol a Uige, “Neith.” Bha sia cad, us da fhichead sa dha innte. Bha sinn còig seachdainean ’us tri latha gun fearann fhaicinn. Dh’fhan i seachd lath ’n Sidni, C. B., far an d’fhag sinn cuid d’ ar càirdean. Ach ge fad’ an duan ruigeir a cheann. Rainig sinn o dheireadh cala sgiamhach Ch’town. Bhathas gle bhrònach a dealachadh, cuid an ear ’s cuid a niar. Ach fhuair sinn gabhail romhainn air “bharra bas” Cha robh duine air bòrd gun charaide ga choinneachadh. Cuid gu Strath Alba ’s cuid eile gu Valley-field, ’s mar sin sios. Bha sinn gu math dheth seach iadsan a thainig romhainn. Nise ch oghnadh oirbh, an MOORE & JOHNSTON THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 39] [Vol. 3. No. 5. p. 7] inbhe gus an d’ thainig moran do shliochd nan daoine a dh’ainmich mi o thoiseach gu deireadh, Ministearan, Luchd lagha, us Dotairaan; so aimean cuid dhiubh. DOTAIREAN—Uistean Martinn, (Mac Iain ’ic Chalum-ic-Aonghais.) Dithis Mhac Mhàrtinn ’ic Chalum ic Aonghais, Dotair Mac Illeain, nach maireann, Seumas Macleòid, (Mac Shomhairle ’ic Thormoid,) Ruari Mac Illinnain, (Mac Mhurchaidh bhig Iain ruaidh) Dithis Mhac Chalum Alastair ’ic Phail, C. Mac Phail, (Mac Alastir Chailean,) Mac Lachlium Mac Eoin, Abhuinn a niar, Dithis mhac Dotair Mac Tarruig, &c. &c. LUCHD LAGHA.—Calum Macleòid, (mac Ruaridh ’ic Thormaid,) duine còir a labhras Gàilig ged a mharbhadh i na “Goill Ghlasa,” Niall Macleoid, (mac Ruairi Mhurchaidh,) D. C. Domhnullach, (Mac Iain ’ic Sheoc.) A. A. MacIllean, (Ogha do Dh’ Alastair Mac Dhomh’l ’ic Eachuinn, agus do Anghas Mac Mhurbhaidh Ailean.) D. A. Mac Fhionghain, M. P. P., mac Uilleam ’ic Thearlaich, &c., &c. MINISTEIREAN.—Dithis mhac Uilleam ’ic Fhiongain, J. A. Màrtin, a tha ’n tir Chanàin, mac do Dhòmhnull Uilleam. I. W. Mac Coinneich, (mac Iain Bhàin ’ic Iain ’ic Aonghais,) A. B. Mac Leod, (mac Iain ’ic Iain ’ic Thorcaill,) Domhnull McLeòd, (mac Iain ’ic Ruairi oig,) D. M. D. Caimbeal, mac Chalum ’ic Sheumais.) Alastair Mac Illean, nach maireann, Domhnull Mac Illean, agus G. B. McLeòid, agus mar sin air aghart. Tha ministearean eile againn a tha searmonachadh Gailig, ach cha d’ rugadh iad air an eilean,—Mr. Goodwill tha deanamh obair dithis anns an raoin a dh’ fhag a Ministir Dòmhnullach ainmail nach mairean. Fhuair sin cuid a Ceap Breatunn, Mr. C. Caimbeul, Strath-alba ’s “bheirear leis gu crionna glic a ghnothaichean gu crich.” Thainig ministeirean as an t-seann dùthaich an so—Iain McLeòid, ach chaidh easan air ais; ’s mar a thuirt Dòmhnull Mac Shomhairle còir, nuair a bhuail am buailtean anns an aon sùil a bh’aige, “O dh’ fhalbh thu ’s bu mhath thu.” Tha duine tomadach eile againn Ruairidh Mac Illean a thainig a dùthaich ’ic Leoid ’san Eilean sgithanach ’s gu cinnteach ma tha tuilleadh aca dheth sheòrsa ’s neònach nach eil iad ga’n cur an rathad-sa. Litir as an Eilean Sgiathanach. Fhir mo chridhe—Gu ma fada beò thu ’s ceò as do thaigh. Fhuair mi Air. 49, de’n MHAC-MALLA. Tha e nis dà bhliadhna dh’ aois, agus gu cinnteach is math a dh’ fhàs e o’n a rugadh e. Dh’ fhas e ann am meudachd ’s dh’ fhàs e ann an neart, ann an dreach, agus ann an glìocas. A bharrachd air sin, thug e mòr thoil-inntinn do dh’ iomadh Gàidheal còir, fial eadar dà cheann an t-saoghail. Is ainneamh ni a bheir barrachd de thoil-inntinn dhomh fhéin na bheir am MAC-TALLA. Bha mi anabarrach toilichte an uair a chnnnaic mi an t-òran gasda, snasail a chuir mo charaid, Niall Mac Leoid, ugaibh. Theid mi ’n urras nach cuir esan cùl ribh co dhiu. Is math a chòrd an sgeul mu ’n “Turus cuain a dh’ America” rium. Is math a theid aig Callum Mac Fhearghais air Gàilig a sgrìobhadh. Is neònach leamsa mur ’eil cuid mhath de naigheachdan gasda aig Callum. A nis, o’n a leig e car bhar beul a’ phoca, dh’fhaodadh e tuilleadh dhiubh innseadh dhuinn. Bhiomaid uile glé thoilichte air fios fhaotainn air iomadh seann naigheachd dhe na bheil aig na seann daoine còire a dh’fhalbh à Gàidhealtachd na h-Alba o chionn fada. Tha mi ’g earbsa gu ’n ceadaich sibh dhomh facal no dha a labhairt ri bhur càirdean air feadh an t-saoghail gu leir. Agus tha mi ’n dòchas nach gabh a h-aon aca gu h-olc aon fhacal a their mi riutha. Tha ’n sean fhacal ag radh, gur e lìonmhorachd nan làmh a dh’ fhàgas an obair eutrom. Tha sibh fhein, cho trang ri mac màthar a tha beò a’ cur a’ phaipear ann an òrdugh dhuinne o sheachduin gu seachduin. Tha obair throm agaibh, agus tha dol agaihh air a deanamh glé mhath. Ach tha ar cuid fhein againne ri dheanamh de ’n obair, agus is e sin, a bhith ’g innseadh mu ’n MHAC-TALLA do ar càirdean anns gach àite; agus a bhith ’comhairleachadh dhaibh a cheannach. Agus cha ’n e sin a mhàin, ach dh’ fhaodamaid breith air choilear air cuid de na càirdenn air am bheil sinn glé ’eòlach, agus a ràdh riutha, mar a thuirt fear a b’ aithne dhomhsa, “A nis, a Sheumais, cha leig mi a null no an nall thu gus an cuir thu do dhollair ann am’ dhorn, agus cuiridh mi fhein a dh’ iarraidh a’ phaipear air do shon.” Nan deanadh a h-uile fìor charaid a th’ aig a’ MHAC-TALLA mar so, bhiodh iomadh mile de luchd-leughaidh aige mu ’n teirgeadh am foghar. Cuireadh gach aon dhibh, fheara, bhur làmh anns an obair mhath, agus theid leibh gun teagamh. Tha làn fhios agam fhein gur iomadh fear a ghabhadh am MAC-TALLA, nam biodh fios aige gu bheil a leithid de phaipear ann. Na biodh aig Gall ri thiligeadh air Gaidheal nach ’eil de dhuinealas annainn na chumas suas aon phaipear Gailig. Bhur caraid, IAIN. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 40] [Vol. 3. No. 5. p. 8] Marbhrann do Thomas Friseil. LE MR. SEUMAS MAC-GRIOGAIR; D, D. AIR FONN,—Mac-Griogair a Ruaradh Lion mulad ro mhor ni, Cha tog ceol e o m’ inntinn; Chuireadh caidreach mo sholais Fo na foidibh gu h-iosal. Chaill mi ’n carid caoin ciatach A sheas riamh leam gu dileas; Chaill mi ’n comhairleach ciallach Chuireadh m’ iarguin air diochuimhn.’ Bha do chridhe ro bhlàth dhomh, ’S e mo chradh thu bhi dhith orm; Co a lionas dhomh t’ aite ’Measg na dh’ fhag thu san tir so.’ Bu tric ar n-uaigneas an seomar, ’S bhiodh ar comhradh gun mhiothlachd, Cha bhiodh sgannal no sgleo ann, ’S bhiodh an comhnaidh gradh Chriosd ann. Bha thu measail mu ’n reachd ud, ’Chuireas peacaich fo dhiteadh; ’S cha b’ ain-fhios dhuit an cleachdadh ’Chuireas dreach air a’ Chriosdaidh, Bha thu misneachail, dana, Bha thu laidir ’na t-inntinn; Cha bu toil leat an t-ardan, Is cha b’ aill leat e ’chinntinn. Bha thu uasal ’na t bheusaibh, Bha thu eudmhor nu ’n fhirinn; Bha thu foghainteach treubhach ’Nuair a dh’eireadh as strith aic’. B’e do ghnath mu ’n do theasd thu Bhi ri d’ dhleasdenas sinte; Anns gach dreuchd san do sheas thu Bha thu freasdalach cinnteach. Lamh ’thogail nan salm thu An taigh-searmain na sgire; ’Chuireadh mach iad gu dealbhach, Gun chearbaich, gun diobradh. Ann an cleir is an Seisein ’S tric a sheas thu droch shide; Ursainn-chatha na h-eaglais ’N aghaidh beagnair luchd mioruin. ’S tric a dh’ fhuiling thu ’n cul-chainnt, Dh’fhag do ghuilan fo bhuinn iad; Dh’ fhag do chaithris is t’ umhlachd Goirt, ciuirte ’n an cridh’ ian. Fas do theaghlaich bu mhiann leat Ann san diadhachd nach diobair; Chleachd thu aoradh’n am fianais Gun a shiaradh gu diomhair. ’S iomadh Sabaid ’thug teist ort Nach robh leisge no sgios ort, Ann an teagasg dhaibh cheisdean Is an leas as a Bhiobull. Bha thu caoimhneil ri d’ nabuidh, Thoill thu ’ghradh is a shiochainnt; Bha thu fialaidh mu d’ fhardaich, Bu mhath ’phairteachadh bidh thu. Sheas thu gnothach ra duthcha ’Le lan churann ’s le dichioll; Ma ’s ann air breth no air “Jury,” B’e do run a bhi cileas. Na ’m biodh do shliochd a bha craiteach An la dh’ fhag iad ’sa ceill thu, ’Leantuinn t’ eiseimpleir alainn, S e a b’ fhearr dhaibh na miltean. Gur Trom Trom a tha Mi. LE EOGHAN OG STRATH-NIN. LUINNEAG. Gur trom trom a tha mi, ’S gur truime dh’ fhag an t-earrach mi; Gur truime ’n diugh na ’n de mi ’S mi cumha ’n deigh na banaraich. Do bhanaraich na bathaigh, A thug mi ’n gradh nach b’ aithreach leam; S ma dh’ fhuireas tu coig bliadhna Gu ’n cuir mi rian air aran dhuit. Gur trom, trom &c. Cha ’n fheil thu fhein ach og dheth Gu posadh air an earrach so; ’S ged shùibhlainn-sa an saoghal Gu ’m bi mo ghaol dhuit maireannach. Is ged a bha mo bhraithrean ’San airidh a cur maille orm; Na ’m bitheadh tu ’ghaoil deonach Gu ’n seolainn an null thairis leat. Tha islean agus uaislean An grunnd a’ chuain am falach oirnn, A’ direadh ris na bruachan ’S a gluasad ris na ballachan. Ged tha thu gun saibhreas Tha daimh annad is ceanaltachd; Is tha thu laghach boidheach, ’S gun ghoraiche riut ceangailte. Na ’m bithinn-sa ’n Stiath-Eireann Do speis cha bhiodh an aineol orm; Ach tillidh mi ma ’s beo mi, ’S le m’ dheoin cha dean sinn dealachadh. THA “pic-nic” agus cluichean dhe gach seòrsa gu bhi aig Rudha nan Barracks Di-màirt s’a tighinn. BHA crith-thalmhain bheag ann an icearnan de Chalifornia oidhche D-dòmhnaich s’a chaidh, ach cha d’ rinn i cron sam bith. BHA ’n t-Urr. Collum Mac Leòid air a phosadh ri Eaglais Chleireachail Cheap Nòr air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ’n t-seirbheis fo laimh nan Urr. Mr. Mac Coinnich Ghrand River, Mr. Friseal, Chladaich a Tuath, us Mr. Dòmhnullach, Bhaile nan Gall. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada agus soirbheachail do Mhr. Mac Leòid. CHAIDH fear Padruig Caimbeul a mharbhadh ann am méinn Glace Bay feasgar Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air a phrannadh eadar carbad guail agus taobh na mèinne. Bha ’n solus a bh’ aige air dol as air; mur biodh sin, rachadh aige air a dhol as an rathad air a charbad, agus e fhéin a thearnadh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 41] [Vol. 3. No. 6. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 11, 1894 No. 6. Domhull a Chogaidh agus Ailein Tailleir. Tha Siorramachd Ghlinn-Garraidh cha mhor gu h-iomlan air a h-àiteach le Gàidheil. Anns na làithean breagha dh’ fhalbh, ’nuair bha iad a gleachd ris a “Choille Ghruamaich,” agus a deanamh dhachaichean dhaibh féin agus a fulang chruaidh-chasan ’san tir ùir so, cha’n eil teagamh nach iomadh uair a rachadh an smuaintean gu muladach a null thar sail “do’n tir a dh’ fhàg iad rinn an àrach òg,” agus a chuimhnicheadh iad na sòlasan a b’ abhaist dhaibh bhi mealtuinn ann an tir an dùchais. B’ aonranach a bheatha bha iad a’ caitheamh gun teagamh, ach le bhi cumail snas cleachdaidhean an sinnsir, a’ dol air chéilidh, ag innse sgeulachdan agus ’a gabhail òran, chuir iad an ùine seachad gu cridheil, agus gun a bhi faisg cho aonranach ’sa bhitheadh iad air dhòigh eile. Gus latha ’n diugh tha sliochd ’nan daoine sin cho caoimhneil ’s cho clàth-chridheach ’sa bha ’n aithrichean, agus ’nuair a thaghaileas caraide no coigreach orra ni iad a bheatha leis geach ni a’s fhearr na chéile bhios am broinn an taighe. Agus b’ onarach a thainig orra bhi càirdeil agus fialaidh. Bha moran ’nam measg aig an àm ud a bha glé dheidheil air a bhi deanamh fala-dha air a chèile; dh’ fheuchadh gach fear ri char a thoirt as an fhear eile, agus cho cinnteach ’sa dheanadh e sin bhiodh e air a phàigheadh air ais na airgiod fhéin. ’S ann mar sin a thachair anns an sgeul a th’ againn ri innse. Am measg nithean eile thug na Gàidheil ’a tir an dùthchais bha cuid dhiubh a toirt creideas mor do bhòchdain, taibhsean, droch-shùil agus buidseachd, agus bha iad a’ creidsinn mar an ceudna (mar tha moran ’san latha ’n diugh) gu robh daoine air an rabhadh a thaobh na bha gu tachairt dhaibh le manaidhean agus seallaidhean. ’N uair a bhios daoine a toirt creideas do nithean mar sin agus a chi iad sam bith a mheasas iad mi-madarra, cha’n urrainn iad a chuis a rannsachadh a mach, rud na’n deanadh iad a dhearbhadh dhaibh nach robh dad mi-madurra ma thimchroll. Is tric a theicheas daoine roimh ni dhe’n t-seòsa so, nach smaoinicheadh air teicheadh o bheul a ghunna mhoir no o chunnart sam bith eile a ghabhas faicinn; ’s ann roimh ’ni nach fhaicear a’s mò ghabhas duine dh’ eagal. Mar tha fhios againn uile, tha e ’na chleachdadh aig na Gàidheil a bhi toirt fath-ainmean air daione ’n uair tha àireamh dhe’n aon ainm ’s dhe’n aon sloinneadh a fuireach faisg air a chéile. Bidh na fath-ainmean so gu tric a toirt a stigh ceaird no dòigh teachd beò aithrichean no seanairean nan daoine air am bheil iad. Cluinidh sinn gu tric ainmean mar a leanas air an cleachdadh;—Iain an Dotair, Domhnull a Ghreusaiche, Donnacha na Bantraich, Iain a chlachair, agus tuilleadh dhe’n t-seòrsa sin. O chionn iomadh bliadhna air ais, bha dithis dhaoine a fuireach air cùl na siorramachd a bha car ainmeil ’nan doigh ’s ’nan ginealach fhéin, oir gus an latha ’n diugh cluinnear an ainmean cha mhor anns gach tigh. Bha iad ’nan sàr Ghàidheil, agus chuidich iad gu mor ann a bhi deanamh am beatha fèin agus beatha ’n coimhearsnaich na bu toilichte ’n àm a bhi ’g obair gu goirt a deanamh dhachaidhean anns na coilltibh. Ged chleachdamaid an ainm ’s an sloinneadh ceart, cha tuigeadh na h-eòlaich có iad, agus uime sin cleaehdaidh sinn na h-ainmean a theirteadh riutha gu coitchionn anns a choimhearsnachd, “Domhnull a Chogaidh agus Ailein Tailleir”. Anns na laithean sin bha luchd-ceairde cho gann ’s gu’m feumadh gach duine a bhi ris gach ni air an cuireadh e feum. Aon fheasgar, thaghail Ailein air Dòmhnull, agus fhuair e e gu trang a deanamh paidhir bhròg agus dh’ fhuirich e gus an robh e fada ’san oidhche ’ga chuideachadh riutha. Air a rathad dhachaidh bha aig Ailein ri dhol seachad air chladh anns ’na thiodhlaiceadh latha no dha roimhe sin doine da’m b’ ainm Cuibheart, agus bha e a toirt leis dhachaidh air an oidhche so plaide no dha a bu leis an dearbh dhuine sin. An deigh dha tigh Dhòmhuill fhàgail, thog Dòmhnull air ’s chaidh e troimh ’n choille air fiith-rathad, agus ranaig e ’n cladh air thoiseach air Ailein. ’N uair a rainig an duine cóir sin an cladh ’sa bha e seachad, sheas fhalt air a cheann ’s chaidh gaoir ’na fheòil air dha guth tùchanach bristach a chluinntinn anns a chladh ag ràdh, “Ailein! Ailein Thailleir! Thoir dhomh mo chuid phlaideachan! Tha mi fuar, fuar!” “Cò thusa?” ars’ Ailein, “Is mise,” arsa ’n guth, “Cnibheart bochd a dh’ eug an la roimhe! Thoir dhomh mo chuid phlaideachan! Tha mi fuar, fuar, fuar!” Thilg Ailein na plaideachan an null rathad na h-uaghach as an robh an guth a tighinn, ’s ag radh “Sid agad do chuid” thug e na buinn dhi ’s cha b’fhada ruigheachd a thaighe e. Cha d’ innis e do neach sam bith aon dad a chuala no chluinn e. Air do Dhomhnull am fear eile fhaicinn as an t-sealladh, thog e na plaideachan ’s thug e leis dhachaidh iad, an duil gu faiceadh no gu’n cluinneadh e ni eigin a bhrathadh Ailein. Ach a dh’ aindeoin cho deònach ’s gu robh Ailein air a chùis a chumail an cleith, fhuair an dùthaich gu leis fios air an ùine ghoirid, chuir Domhnull na plaideachan dhachaidh ’ga ionnsaidh, agus mur robh a chluasan teth an deigh sin cha robh cluasan duine teth riamh. Ach rinn e air a shocair, a gabhail alla ris na bha chàirdean ag radh, agus a cur roimhe, ma bha bheag a shaoghal an dàn dha, gu’m faigheadh e cothrom air eagal cho mor a chur air Dòmhnull sa chuir Dòmhnull airsan. (Ri leantuinn.) [TD 42] [Vol. 3. No. 6. p. 2] COMHRADH NAN CNOC. AONGHUS, EACHANN, ETC., AGUS AM MINISTEAR. (Bho’n Teachdaire Ghaidhealach.) EACH.—Tha thug agaibh air, fheara. A bheil guth idir agaibh air sgur? Gu dearbh Aonghais cha ’n ’eil an stac sin fein furasd a chur as a laraich. AON.—’S ann agam tha fios; ach cruaidh ’s ga bheil e, mar thuirt muileann gliogach a’ ghlinn bhig, Theid againn air, theid againn air. EACH—Mata is briagh an t-innleachd drochaid fein; is mor am feum a bh’ air te an so. ’S iomadh miobhadh a bha daoin’ a’ faotainn air a’ bheul-atha so. A’ bheil cuimhn’ agad air an oidhch’ a bha sinn ar tòrradh brathair do shean-athar? AON,—Fhir mo ghraidh, nach tu bha tall ’s a chunnaic sin. Tha agus bithidh cuimhn’ agam air. ’S ann air na daoin’ a bha ’n saod math an oidhche sin fein, a’s dh’ fheudadh iad; bha ’n Toiseachd ni bu phailte na tha e’n diugh. B’e sin an torradh, ’s cha b’ e torradh spiocach na bochduinn, leis a bheil iad a nis a’ cur dhaoine coire fichail fo thalamh. SEUM.—’S i mo bharail, a dhaoine, gu ’m feudadh cuimhn’ a bhi againn uil’ air an torradh a bha ’n sin. Is minic a chuala mi ’m athair a’ seanachas air. EACH.—Tha thu ceart, bha e lathair, agus bu ghramail, sgairteil an ceatharnach e ’s an am sin. SEUM.—Ma ’s fior an seanachas cha ’n fheumadh e a sgairt a bhi ’n a sporan; tha mi ’m barail nach b’ uilear dhuibh uile gach sgairt a bh’ agaibh. EACH.—Bha sgrobadh mosach ann; ach ’s minic a chunnaic sinn ni bu mhios ’s a’ chladh cheudna. Agus ged is cinnteach gur e ’n drama bu choireach, ’s e ’n t-aon siochair bu leibidich a bha ’s an duthaich a thoisich an iorghuill, agus b’ e sin Para saighdear, sgealb de dhuine ’bha cho chrosta ris an dris. Co bha ’n a fhear-freasdail againn ach Iain-na-beinne agus cha b’ e sin lamh na gorta. Mur dean mi breug cha ’n ’eil cuimhn’ agam ciod a fhuair sinn mu’n do thogadh an giulan; ach tha cuimhn agam gun do ghabh sinn sgoba math aig Bealach-nan-carn, agus chithe tu corr-fhear gle thulgach air a chasan a’ tearnadh a stigh na catha os cionn na h-eaglais; ach ’s ann air deireadh an latha bu teothadh an cath; thainig am feasgar, agus, a mhic chridhe, luidh sinn air. Ciod a th’ agad air, ach bha Paraig, ’s e ’n a shuidhe air ultaich de chloich chruinn, anns an turramanaich; ann am prioba na sul dh’ fhalbh a’ chlach, agus sios chaidh e fein agus ise car air char leis a’ bhruaich. Mar bha ’n tubaist ann, co bha ’n a shuidhe lamh ri Paraig ach an ceatharnach coir agus b’ e sin esan, Eoghan mor. Cha chomhdaicheadh an saoghal air Paraig, (agus e ’n a pheasan mar bha e,) nach e Eoghan a chuir leis a’ bhruaich e, agus ’n a bhad a bhitheadh e; ach b’ e sin streap a’ mheasain ris a’ mhiol-chu; ach coma leat chaidh an ceol air feadh na fidhle ’s bha ’n t-sabaid air bonn. Dh’ eirich na h-uile fear gun fhios co bu Chalum, agus bha iad mar sin a’ spionadh agus a’ sgrobadh a cheile, gus an deach an oidhch’ agus an abhainn so fein ’s an eadraiginn. Rainìg sinn am beul-atha so, ’s a mach bhiodh na h-uile fear gun suim de’n chlachran; agus chitheadh tu iad a sios leis an t-sruth, an sas ’n a cheile mar gu ’m biodh coin air lothainn ann, ach feuch riut, ’n uair chaidh iad am bogadh ’s a’ ghlumaig mhoir, mur robh iad gle sgith d’ a cheile; chluinneadh tu iad a’ rocail thall ’s a bhos mar ni an dobhran donn, ach cha luaith fhuair iad gu tir, na bu bhuidhe leis na h-uile fear a thigh a thoirt a mach mar a b’ fhearr a dh’ fheud e. Och! ’s ann air an duthaich a thainig an da latha. SEUM.—Mata bu ghrannda sin fein a’ measg luchd-duthcha. EOGH.—Coma co dhiu, bha daoine cordadh gle mhath airson sin; an dram fhir mo chridhe, a rinn uil’ e. AON.—Ciod eil’ ach an dram? MINE.—Ciod so, Eachainn. a rinn an dram? Is iomad olc a rinn e riamh. EACH.—Nach e sin fein an cliu a th’ air; ach mar thachair do ’n Eirionnach, cha ’n ’eil e ni ’s measa na tha ’n t-ainn dha; is sibh a thainig orm gun fhios dhomh; tha ’n rathad so co comhnard reidh ’s nach cluinn dnine an t-each donn fein a’ tighinn, ge sunndach faramach a dh’ fhalbhas e: an saoil thu fein Aonghais nach beo an da shuil ’tha ’n a cheann. AON.—Tha Eachann agus mis’ a Mhinisteir a ’tighinn air seann naidheachdan; tha e ’cuimhneachadh dhomh na thachair air torradh bhrathair a shean-athar; agus a’-talach mar tha ’n t-ol a’ dol a cleachdadh air an torraidh- ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi. A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. G. H. GUZZWELL, SIDNI, C. B. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan. [TD 43] [Vol. 3. No. 6. p. 3] ibh. EOGH.—Cha ’n ’eil mis, Aonghais, a’ talach air dith drama; ge nach ’eil fhios agam co chuireas ri ’chluais le moit e ni ’s mo na ni mise; cha ’n eil mi dad ni ’s deigheile air na daoin’ eile ach ’n a dheigh sin ’s gu leir cha ’n fhaic mi c’ arson a bhiodhte an aghaidh cuims dheth an am feuma. MINIS.—’S e sin, am briathraibh eile, an comhnuidh; oir tha fios agadsa far am bi deigh an drama nach robh leith-sgeul an drama riamh air chall. Iarraidh daoine ’s an t-samhradh e chum am fionnarachadh, agus anns a’ gheamhradh gu teas a chur annta. EOCH.—An saoil sibhse ’n uair tha daoin’ a’ saoithreachadh thar muir is monadh, mar is tric a tha iad air torradh, nach feum iad biadh a’s deoch? MINIS.—Feumaidh, ach feudaidh iad biadh a’s deoch a ghabhail ann am measarrachd, gun suidhe sios ann an cladh n’ an cill, agus iad fein a chur air an daoraich; agus is tric a chunnaic mi, nach iadsan is faid’ a thig air astar is cionntaich anns a’ chuis so. Chi mi gur gur iad na daoin’ is dluithe air a’ chladh is mo a dh-itheas agus a dh-olas. EACH.—Tha sin fior, ach air leam fein, gur grannd an gnothach daoine fiachail a chur fo thalamh mar gu ’m b’ ann gun fhios, gun uiread agus gloin ol mar chuimhneachan orra. “Tha rathad lamh ris an rathad mhor,’ agus cha ’n fheud e bhith gum bi sibh an aghaidh cuimse. MINIS.—Cuimse, Lachainn, is doirbh a radh ciod ris an abradh tusa cuimse. Nach cianail an gnothach ’n uair a tha bas ann an teaghlach, nach ceadaichear do na cairdidh tursach an deoir a shileadh ann an sith, agus iad fein a striochdadh gu samhach do ’n Ti a smachdaich iad; ach gu ’m feum iad eirigh le cridhe luchdaichte le bron a dheasachadh na fathraire, agus O, bi sin a’ chuirm gun bhlas do gach neach aig a’ bheil mothachadh. Air mo shon fein, ’n uair a chithinn daoine a’ suidhe sios air chul garaidh anns a’ chill, a’ stroiceadh feola, agus a’ cnuachdadh arain agus caise, agus ag ol le ciocras, is minic a chuir e sgreiteachd orm. Tha misg aig am no an aite sam bith ro ghraineil ach is i mhisg is oillteile misg an torraidh. Ciod an sealladh is uamhasaiche na daoine air an dalladh le daoraich, a’ tuiteam air na leachdaibh sin fo ’m bheil an caomh chairdean ’n an sineadh agus far am bi iad fein ann an uine ghearr a’ breothadh gu uir. Seadh, agus mar is bitheant a chunnaic thus’ Eachainn, iad a’ dortadh fola cach a cheile air a’ cheart fhoid sin air am fac’ iad deoir nam bannntrach agus nan dilleachdan a’ sileadh gu frasach. B’ e so, Eachainn an sealladh graineil, agus cha b’ e a’ mheasarrachd air a bheil thus a’ talach. Mo thruaighe sinn! tha sin ullamh ni ’s leoir chum am bas a dhi-chiumhneachadh, ged a chumamaid air chuimhne e an fhad ’s a tha ’n uaigh, a’ chiste, a’ chnuimh, ’s an claigeann ruisgte fa chomhair ar sul. ’S i so an t-searmoin, agus is cruaidh an cridhe air nach druigh i. Tha fas-fhuaim eagallach aig an uir a’ tuiteam air a chistidh ’bu choir toinisg a dhusgadh suas ’s an duine is neo mothachala. Tha a teagasg araidh fein aig gach uaigh fa leth, ach tha iomad teagasg cudthromach aca gu leir. Tha gach uaigh fhosgailte ’feoraich dhiotsa‘ a’ bheil thusa uilheamaichte chum an saoghal ’fhagail, agus a’ cur an ceill duit gur duslach thu, agus a chum an duslaich gum pill thu faidheoigh. Na ’n smuainticheadh daoin’ air so mar bu choir dhoibh is ann le smuainte stolda a sheasadh iad m’ an uaigh. Cha b’ e fleadhachas na cuirm a dh’ iarradh iad, ach uaigneas agus samhchair anns an guidheadh iad ar Dia na chunnaic iad a bheannachadh chum leas an anama. AON.—B’ i sin an fhirinn; ’s e cridhealas ’bu lugha ’bu choir tighinn fainear dhuinn air a leithid sin de chodhail. EACH.—Aidichidh sinn sin uile, ach gu de dheth sin, cha luaithe thuig bas ’s an rathad, na chi mi gur math leis na h-uile h-aon an gradh a nochdadh le dol gu cosdas mar ni daoin’ eile, chum crioch onarach, moar their iad, a thoirt dhoibh. MINIS.—B’ fhearr dhoibh an gradh a nochdadh an fhad ’s a dheanadh e feum dhoibh; cha ’n ’eil ann an cosdas torraidh ach straic agus fearasmhor. Is aithne dhuits’ iad agus is math is aithne dhomhas’ iad a chosd gu stadail, ’s a chuir iad fein fo ain-fhiach air nach d’ fhuair iad fhathast an uachdar, le torradh an cairdean, m’ an robh iad caoin-shuarach re am beatha; a dh’ fhag an sud iad ’s a’ chuil dhoirche gun suim ’n an deigh. An saoil thu na ’m b’ urrainn doibh an guth a thogail o ’n uaigh, an abradh iad gu ’n do chuir strothalachd an torraidh comain orra? Mur coisinn daoine deadh chliu dhoibh fein ’s an t-saoghal so, le giulan teisteil, ionraic, cha dean aon riomhadh torraidh suas doibh e; agus creid thusa mis’, Eachainn, ged a chosgadh tu na th’ agad anns an t-saoghal; ged rachadh tu do Ghlaschu a dh-iarraidh goireis, is beag buidheachais a bhoidh agad air a shon air a’ cheann fa dheireadh; bhiodh cuid a’ talach agus a’ cur iomchoir. AON.—Ma ta, a Mhinisteir, ge nach ’eil mi ’cur an ag aon fhocal a tha sibh ag radh, feumar aideachadh, gu’m bi baigh aig daoine ri cleachdadh an sinnsireadh, agus nach ’eil ann am fear aig a’ bheil de mhisnich a bhi air leth o dhaoinibh eile. MINIS.—O! b’ e sin leth-sgeul na truaighe, leis a’ bheil daoin’ air am mealladh anns na nithibh is cudthromaiche; cha toigh le daoin’ a bhi air leth o dhaoine’ eile, ged a tha na daoin eile sin a’ dol do ifrinn. ’S e co-fhurtachd an duine dhona air thalamh e; ach an saoil thu, an toir e co-fhurtachd dha ann an siorruidheachd, gu ’n abrar ris ann an dorainn gu bheil e mar dhaoine eile? Cha toigh leams’ a bhi air leth air daoin’ eile anns an ni tha dligheach agus ceart; ach fhad ’s a tha ’n ceartas am thaic, is coma leam ged robh sluagh na duthcha am aghaidh. Is baigheil leamsa cuimhne nan treum o’n d’ thainig sinn; is measail leam na laraichean briste ’s an robh iad a chomhnidh, agus na leachdan-lighe aosmhar a tha thairis orra; is taitneach leam an deise leis an do shiubhail iad an t-aonach, agus a’ chanmhuinn anns ann deachaidh an teanganna air tus gu comhradh; ach tha fiosrachadh againne nach robh acasan, agus an lean sinn na h-uile cleachda a chionn amhain gun robh e aig ar n-aithrichean? Cha ghabh a h-aon agaibh garbhlach an t-sleibh ud thall, no doimhneachd na h-ath ud thall, a roghainn air comhnard an rathaid mhoir, ’s air tearuinteachd na drochaid a chionn ’s nach robh a h-aon seach aon diubh ann ri linn ar n-aithrichibh. Tha baigh againn, agus tha e nadurra a bhith, ri cleachdanna ar n-athrichibh, ach an e gu ’n stailceamaid sinn fein air larach nam bonn agus gu’n leigemaid leis an t-saoghal gabhail air aghaidh mar a chitear, ann am fiosrachadh agus ann an eolas; agus nach gluaiseadh sinne a nunn no nall, ach mar ghluais na daoine o ’n d’ (Air a leantuinn air taobh 7.) [TD 44] [Vol. 3. No. 6. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton SIDNI, OGUST, 11, 1894. THUGADH dinneir mhòr do’n Ard Riaghladair, Iarla Abaraidhean ann a Halifax Di-màirt. Chuir na h-Eirionnaich na h-Albannaich ’s na Sasunnaich an cinn ’s an sporain cuideachd ann an ullachadh na cuirme, agus bha na h-uile làn riaraichte leis mar chaidh an latha. Bha suas ri da cheud de dh’ uaislean na mor-roinne cruinn agus an deigh na dinnearach, chuir iad seachad am feasgar ag òl dheochan-slàinte ’sa deanamh òraidean. Bha ’n t-Iarla air éideadh anns an DEISE GHAIDHEALAICH, le féilleadh de bhreacan nan Gordonach, a chinneadh féin. Is duine e a tha, a reir coltais, “a leantuinn gu dlùth ri cliù a shinnsir.” Tha sinn an dòchas nach dean e dearmad air Ceap Breatunn na chuairtean, ach gu’n cuir e seachad, air a chuid a’s lugha latha, no dha a’ gabhail seallaid, air an eilean a’s àiluinn an taobh-sa ’n Atlantic. THUIRT maighstir-sgoile aon uair ris na gillean a bha fo theagasg gu’n toireadh e crùn (5s.) do fhear sam bith dhiubh chuireadh tòimhseachan air nach b’ urrainn dha fhreagairt. Dh’ fhaighnich fear dhe na gillean dheth, “Cia mar tha mise coltach ri Prionnsa Wales?” Thug am maighstir na h-uile freagairt air an smaoinicheadh e dha, ach mu dheireadh thug e suas, ’s dh’ aidich e nach b’ uraainn da m freagairt ceart a thoirt dha. “Ma ta,” ars an gille, “innsidh mise dhuit ciamar tha mise coltach ri Prionnsa Wales. Tha mi a feitheamh gus am faigh mis ’n crùn.” O’n Amhuinn Mheadhonaich. ’S tric a bha mi ’n dùil a sgriobhainn ad ionnsuidh, ach thuige so, cha d’ fhuair mi cothrom. Bha aimsir bhreagh againn re an t-samhraidh. Dh’fhàs gach bàrr gu math, ’s tha gach ni a’ gealltuinn fogharadh breagha. Tha ’m feur na’s fhearr na bha e o chionn sheachd bliadhna. Ged bha ’n aimsir cho breagha re an t-samhraidh, bha moran ’nar measg nach robh gu math ’nan slàinte. Chaochail gìlle tapaidh da’m b’ ainm Fionnladh Mac Fhionnlaidh, duin’ òg gealltanach, agus tha sinn fior dhuilich e bhi air a ghearradh air falbh ann am maduinn gealltanach a latha. Tha moran de ghillean ’s de nigheanan òga an àite, a bha ’sna Stàitean air tighinn dhachaidh air an t-samhradh so. Tha e toilichte bhi faicinn chàirdean a tighinn dhachaidh, ach cha’n eil a cho math a bhi ’g am faicinn a falbh. Tha moran Gheancach, a tha teicheadh bho theas an dùthcha fèin, a cur seachad greis d’ an ùine maille ruinn air an t-samhradh so. Tha na thainig an rathad so dhiubh ’nan daoine modhail agus gasda anns gach dòigh. Thug fear dhiubh, an t-Urr. Mr. Lockwood, á Westfield, Mass., searmon Beurla dhuinn air an 22mh la de Iulaidh, agus thug an t-Urr. Mr. Baldwin à Springfield, Mass., searmon dhuinn air an 26mh la dhe’n mhios sin. Tha iad le chéile ’nan searmonaichean pongail, dùrachdach agus cothromach. Tha ’n t-Urr. Eachunn Mac Gilleain, á Acadia Mineas, N. S., air chuairt a coimhead air a chàirdean. Sin agad nas’ urrainn mise thoirt dhuit de naigheachdan, an drasda, ach cha ’n éil fhios nach cluinn thu uam an ùine ghoirid a rithist. EBENESER. Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. THA sinn fada ’n comain nan càirdean a tha ’cur naidheachdan ugainn o àm gu àm, agus b’ fhearr leinn gu’n cluinneamaid uapa na bu trice. Bu mhath leinn a bhi cluinntinn as gach cearna dhe’n eilein, a Nobha Scotia, á Eilean a’ Phrionnsa, a Ontario, as a’ Ghàidhealtachd ’s as gach cearna ’n t-saoghal ’s am beil am MAC-TALLA dol. Cuireamaid fiosan dh’ionnsaidh a MAC-TALLA á aon àite ’s á àit eile ’s thoireamaid fios d’a chéile mar tha ’dol dhuinn. ’N an deanamaid so uile bhiodh am paipear gach seachdain loma-làn de naigheachdan ’s de gach leughadh eile bu taitniche na chéile, agus nach e sin a tha dhith oirnn uile? Cum Minard’s Liniment ’san tigh JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 45] [Vol. 3. No. 6. p. 5] NAIDHEACHDAN THA ’N t-Urr. Coinneach Mac Coinnich a bha ùine mhor na mhinisteir am Baddeck, an dràsd ann am Port Hastings. BHA teine mor ann an St. Pauls, Minnesotta Di-màirt, agus bha fiach sia fichead mile dollar do thaighean air an losgadh. CHAIDH a cheud luchd gual a dh’ fhalbh riamh á Cape Breatunnn gu Greenland a chur air falbh á meinn Chove Khelly, air an la roimhe. Sheas Santo, am fear a mharbh Carnot, Riaghladair na Frainge, cùirt air an t-seachdain s’a chaidh agus thugadh a mach binn bàis air. THA ’n t-iasg mosach ris an abrar am “Biorach” air tighinn thun na cladaichean so aon uair eile. Tha iad a fuadach an éisg eile air falbh agus a deanamh milleadh mor air lin nan iasgairean. CHAIDH Dr. L. W. Johnstone, anns a Mhèinn a Tuath, a bhualadh leis a ghrein Di-luain. Bha e gle iosal fad leth latha ach tha e air a dhol gu math am feabhas, agus tha choltas air nach bi dad cearr air ’an ùine gle ghoirid. THAINIG dithis iasgairean air tir ann am Port Morien Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, an deigh dhaibh a bhi air a mhuir fad sheachd latha. Chaidh iad air chall air an t-soitheach anns an robh iad ag iasgach. THA teintean gàbhaidh a cur as do ’n choille ann an California. Tha iad an deigh ruith air aona ceud deug acaire fearainn cheana, agus tha iad ag obair fhathast. Tha coilltean Chalifornia anabarrach luachmhor. THA ceannaiche ann am Brunswick Ur a tairgse aigiod a phàigheadh sios air leth-cheud tuuna de dhearcan-gorma. Feumaidh gu bheil na dearcan gu math pailt aca ’san dùthaich sin ’s gu bheil féill mhath orra cuideachd. THA moran dhe na tuathanaich an deigh an cuid feòir a chur a stigh, agus tha càch gu trang ag obair air. Bha ’n t-side fhuair iad cho math ’sa dh’ iarradh iad, agus bha ’m feur fad air toiseach air mar bha e bliadhnaichean roimhe so. B’ fheudar dhuinn ainmean na muinntir a phàigh a chumal as a phaipeir air an turus so. Bi’dh iad air an cur anns an ath àireamh, ’s tha sinn an dochas gu ’m bi roinn mhath eile againn ri ’n cur còmhla riu. Cuireadh gach duine clach ’sa charm ’s mithear càrn mor. BHA coinneamh mhor aig Choinn Ghilleain ann a Halifax Di-màirt, agus chuir iad air chois Comunn Chioinn Ghilleain air son nam mor-roinnean iosal. Tha Mr. Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown, N. S., a fhuair àrach ’an Cape Breatuinn ri bhi na Riaghladair air a Chomunn, agus tha ’n t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, Bhelfast, E. P. I., D. F. Mac Gilleain us áireamh de dh’ uaislean eile gu bhi ’n an iar-luchd-riaglaidh. Chaidh duin og a bhàthadh aig Aspy Bay Di-luain s’a chaidh, mac do dh’ Iain Mac Neacail a tha còmhnuidh anns an àite sin o chionn naoidh bliadhn’ deug air fhichead. Cha chuala sin ciamar a dh’ eirich e dha. Cha robh e ach naoidh bliadhn’ deug a dh’ aois. Bhuineadh ’athair do Bhaoghasdal. CHAIDH fear Aonghas Mac Gillfhaolain a ghoirteachadh gu dona aig Canso Di-sathairne s’a chaidh. Bha e ’g obair air cladhach urach á bruaich, agus thuit am mullach air a mhuin. Bha i air a chumail an sas ’an sin gus an d’thàinig cuideachadh. Bha e air a ghearradh gu dona mu ’n cheann, ach cha bhi dad air an ceann beagan ùine. CHAIDH gille beag le Henry Marr, aois aona bliadhn’ deug a bhàthadh feasgar Dior-daoin. Cha robh duine faisg air laimh aig an àm, agus cha’n eile fhios ciamar a dh’ éirich e dha, ach thatar a deanamh am mach gu ’m b’ ann a seòladh bàta beag a bha e ’s gun do thuit e dh’ an uisge. Cha robh ach gle bheag a dh’ uisge far an d’ fhuaireadh a chorp. THA ’n cogadh ri Japan an deigh corruich mhuinntir China a lasadh an aghaidh nan coigreach a tha chòmhnuidh ’san dùthaich aca, agus tha iad a’ losgadh an taighean agus a cur am beatha ann an cunnart. Tha na Chineich ’nan daoine mi-reusanta, borba, agus a reir coltais cha ’n eil e nan comas eadar-dhealachadh sam bith a chur eadar aon chinneach us cinneach eile. Thainig fear-imrich gu Montreal o chionn ghoirid air a thurus gu Manitoba, Gearmailteach de’n ainm Abraham Touson. Tha e da fhichead bliadhna ’sa còig a dh’ aois ’s tha ’bhean còig bliadhn’ deug air fhichead. Tha ceithir duine deug cloinne aca, agus dhiubh so tha dithis sia bliadhn’ deug, dithis eile ceithir bliadhna agus an dithis a’s oige bliadhna dh’ aois. An leinn nach eil moran theaghlaichean eadar da cheann Chanada a bheir bàrr air an teaghlach so. THA’N cholera ri sgath mo ann an Ruisia. Re nan ceud sia latha dhe’n mhios so bha tri cheud ’sa tri deug air am bualadh as ùr, agus dh’ eug da cheud ’s da fhichead, ann an St. Petersburg leis fhein. Ann a Warsaw, ’s an uine cheudna, dh’ eug da cheud ’s tri deug, agus buaileadh as ùr glé fhaisg air ceithir cheud. Tha àireamh láithean o nach d’ fhuaireadh fios á Ruisia ciamar a bha dol dhaibh idir, agus tha cuid a deanamh dheth gu bheil an euslaint ri sgrios na’s mo na bha i riamh. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment THA luchd cumail na sgoile a tòiseachadh air gearain air cho slaodach ’a tha an luchd-riaghlaidh a thaobh am páighidh. Cha ’n eil iad air am pàigheadh ach uair ’sna sia miosan, agus cha ’n eil uair dhiubh sin nach bi aca ri feitheamh faisg air da mhios mu’m faigh iad an cuid airgrd. Faodaidh sinn a radh le firinn ged nach eil anns an dùthaich daoine no mnthan a’s mo tha deanamh a dh’ fheum na iadsan tha teagasg na h-òigridh tha fas suas, nach eile seòrsa de luchd-ceairde no de luchd-oibreach a’s miosa th’ air an duaiseachadh. ANN AN CEAP BREATUNN. ORAIN NA H-ALBA. Cluinnibh ceol na Pioba! Cia mar a tha sibh! Ceud mile fàilte. Tha MR. UILLEAM DOMHNULLACH a Alba an deigh bhi aig Féill an t-Saoghail ’sa cur cuairt air America, gu bhi ann am bailtean na siorramachd so. Bidh e air eideadh anns an deise Ghàidhealaich. Tha e na shár phiobaire ’s na dhannsair, ’s bheir e ceòl gu leòr dhaibh san a théid ’ga éisdeachd, maille ri seinn oran Bheurla ’s Albannach. Bheir e dhaibh na puirt a bhios aig na réiseamaidean Gaidhealach a dol dha na blaraibh, agus iomadh port eile. FEUCH GU’N CLUINN THU E. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 46] [Vol. 3. No. 6. p. 6] Beath-Eachdraidh Challuim Chille. [Air iarrtus aon d’ ar luchd-leughaidh, tha sinn a clo-bhualadh na h-eachdraidh so, a bha air tùs air a sgriobhadh air son a GHAIDHEIL, am paipear gasda sin a bha air a chur am mach an toiseach ’sa bhliadhna 1871, agus a lean air tighinn am mach aig ceann gach mios fad shia bliadhna. Bha ’n Eachdraidh air a sgriobhadh le Mr. A. Camshron, Loch nan Madadh, Uidhist.] CAIBIDEIL I. Rugadh Callum Cille ann an Gartan, ’am Mor-roinn Dhonegal, ’an Eirinn air an 7mh latha de mhios deireannach na bliadhna A. D. 521. Bha ’athair agus a mhàthair le chélle de theaghlach Rioghaill agus ann a bhi roghnachadh a bhi na theachdaire an t-soisgeil air feadh Gàidhealttachd agus eileanan na h-Alba, chuir Callum Cille cùl, cha n-e mhàin ri ’dhùthaich ’s ri chàirdibh, ach ri crùn rioghail, a’ meas mar ’aoibhneas agus a chrùn a bhi ’na mheadhon air pàganaich dhorcha thoirt gu solus agus creidimh an t-soisgeil. Is e “Callum” (neo “Collum”) facal a tha ciallachadh “an t-eun glan, ciùin, sgiamhach.” Sin an Collum a b’ ainm baiste dha, ach fhuair e an t-ainm Callum “Cille” air son an àireamh mhór eaglaisean a chuir e air chois. Fhuair Callum Cille oi’eanachadh agus togail chùramach o phàrantaibh, agus chaidh a chur òg a dh’ ionnsachadh fo thegasg mhinisteiribh cliùiteach, oir bha ’n soisgeul air teachd do dh’ Eirinn ceud bliadhna roimh ’n àm so. Bha Callum Cille ann an uine gheàrr cho foghluimte ri ’luchd teagaisg agus chaidh a chur air leth mar dheacon leis an Easbuig Finnian. Thòisich e air ball air searmonachadh air feadh ceann a tuath Eirinn, thog e moran eaglaisean agus chuir e mar an ceudna air chois oil-thighean anns an robh foghlumaichean òga air an ionnsachadh. Bha iad so mar bu trice de theaghlaichibh cothromach air dòigh ’s gu robh e comasach dhaibh moran déirce thoirt do na bochdaibh. Thainig na h-oilthighibh so mu dheireadh gu bhi ’nan taighean mhanach (monasteries.) Tha e air atthris gu robh tigh dhiubh so ann an Derry a thog Callum Cille, anns an robh e fhéin a’ teagasg agus gu robh ceud de na bochdaibh air am beathachadh aig an tigh sin gach latha. Bha Callum Cille ’na bhàrd math, agus sgriobh e moran de laoidhibh anns an Laidinn agus anns a Ghàilig Eirionnaich: tha cuid dhiubh fhathast air sgeul. Bha leabhraichean aig an àm sin gu léir air an sgriobhadh air meambrana,* agus bha iad ro thearc, agus uime sin, ro luachmhor. Bha déigh mhòr aig Callnm Cille air leabhraichean agus rinn e moran siubhail air sgàth leabhraichean fhaicinn agus an ath-sgriobhadh chum fheuma féin agus fhoghlumaichean anns na h-oilthighibh. Tha e air iomradh gu’n sgriobh e le làimh féin tri cheud de na soisgeulaibh agus de leabhraichean sailm. Air dha bhi uair air chuairt ag amharc air a sheann fhear-teagaisg, Finnian, ghabh e spéis mhor do leabhar-sailm le Finnan a bha air a ghleidheadh aig anns an eaglais, agus ’s ann a thòisich e ri dol dh’ an eaglais feadh na h-oidhche a’ sgriobhadh leth-bhreac an leabhair dha féin. Fhuair Finnian so a mach agus air dha bhi smaoineachadh gu robh e ’na ghniomh mi-onarach do Challum Cille so a dheanamh gun a chead-san bha e ro dhiombach agus thagair e a chòir féin do’n leabhar shailm a sgriobh Callum Cille, ag radh gu’m buineadh an ath-sgriobhadh do’n phriomh leabhar. Cha ghéilleadh Callum Cille dha so, agus chaidh a chùis a thoirt gu breith Righ Diarmad ’na lùchairt ann an Tàra. ’Nuair a chuala ’n righ da thaobh na cùise, ’s e bhreith a thug e, “Le gach boinn’ a bhoinne, le gach leabhar a leabhran.” Cha robh Callum Cille toilichte leis a bhreith so agus chuir e gu cas na h-aghaidh ag ràdh gu’n robh i eucorach, agus gu’m bitheadh e air a dhiolladh air an righ. Aithghearr an deigh sin chuir righ Diarmad gu bàs prionnsa òg a bha gabhail còmhnuidh maille ri Callum Cille; bha air a chur as a leth gu’n do mharbh e duine le tuiteamas. Dhùisg so na bu mhò fearg Challuim Chille an aghaidh Righ Diarmad, agus mhaoidh e air gu faigheadh e bhràithrean agus a chàirdean gu dioghaltas a dheanamh air leis a chlaidheamh. Dh’ fhalbh Callum Cille gu tir Conneil a’ seinn air an t-slighe “laoidh an Dòchais” a sgriobh e rithist anns a Ghàilig, agus a bha chionn ghoirid air a h-eadar-theagachadh gu Beurla. Air da a dhùthaich féin a ruigsinn, dh’ èirich leis air ball a luchd-daimh agus righ *Parchments. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 47] [Vol. 3. No. 6. p. 7] Chonnaught, athair a phrionnsa ’chuir Diarmad gu bàs, agus chaidh iad an aghaidh Righ Diarmad. Choinnich Diarmad iad le fheachd aig Cultneimhe agus chuir iad blàr. Chaidh an latha le buidheann Challuim Chille. Ge de bhuadhaich e a chùis so, thainig e gu bhi fo thrioblaid inntinn air son gu robh e na mheadhon air uidhir de fhuil a dhòrtadh, agus bha mhuinntir chràbhach ’ga dhìteadh anns a chùis. Fhuair e comhairle mhath agus misneach o Mholaise, aodhaire diadhaidh ann an Innismharry, agus rùnaich e na bha roimhe de ’bheatha a chaitheamh na theachdaire soisgeulach a measg chinneach tir na h-Alba. Tha an leabhar-sailm a bha ’na mhàthair-aobhair air an deasbaite fhuilteach so ri fhaicinn leis na h-uile thogras ann an tigh-iongatais Ard-sgoil Rioghail Eirinn. Bha an leabhar so tri cheud bliadhna ann an teaghlach Chlann Domhnuill an Eirinn, agus na h-uile bliadhna bha iad ’ga ghiulain air altair gu cath a creidsinn, gu robh buaidh mhor leis. Thugadh mar so “an Cathach” mar ainm air an leabhar-sailm. Tha e air a dheanamh suas de dh’ fhichead agus a h-ochd deug de dhuilleagan craicinn air an ceangal le bannaibh airgid. (Ri leantuinn.) (Air a leantuinn o thaobh 3.) thainig sinn. Tog dheth, Aonghais, fhad ’s is beo mi seasaidh mi mach an aghaidh oil agus misg air torraidhean; ged a thà, buidheachas do Dhia air a shon, an cleachdadh narach so a’ dol a nis air cul; gidheadh tha e ’n a thamailt do ’n sgireachd, agus do gach neach a bhuineas di. Ach o ’n a thachair dhuinn tighinn air an t-seanachas so, innis dhomh o’n a tha sibh uile co deigheil air ur gradh a nochdadh dhoibhsan nach maireann, c’ arson nach ’eil sibh a’ cur leachda lighe os an cionn, no garadh cloiche m’ an cladh anns a’ bheil iad ’n an sineanh. Cha ruig thu leas innse dhomh gum bu neo-ni sin doibhsan; b’ eadh, ach cha bu neo-ni dhuinne e. Nach bu taitneach an ni ciuineachd maduinn na Sabaid, an am dluthachadh air tigh aoraidh an Tighearna, na h-uaighean anns a’ bheil ar cairdean ’n an suain, ’fhaicinn, cha ’n ann, sir an stampadh fo chrodh agus fo chaoraich, ach gu tosdach samhach mar bu choir dhoibh fo blath a’ chluarain ghuirm, agus an neonain ailidh. Ann an so, gu dearbh, ghabhta leithsgeul dhaoine ged a chuireadh iad caileiginn de chostas orra fein. AON.—Mata, cha’n ann a chur cosg air ur seanachas, ach tha muinntir na sgireachd gu leir ’g a fhaicinn sin ’n a thamailte, agus ’n a ni mi-chiatach, ach tha fhios agaibhse, an gnothach a tha ’n earbsa ris nis h-uile fear gu ’m bi e fada gu deanamh; ach n’ an cuireadh sibh fem (leis gach ni math eile ’tha sibh a’ deanamh) mu ’thimchioll, cha chreid mi nach aontaicheadh gach duine ’s an sgireachd leibh; agus ged a bha mis a’ labhairt an diugh mar bha mi, mar bu dùth do sheann duine, a chunnaic iomad atharrachadh ’s an duthaich, cha bhithinn air deireadh ’s a’ chuis sin. Mo bheannachd leibh a Mhinisteir, agus gu ma math a theid sibh dhachaidh, agus cha bhi ’n t-each donn fada ’g a dheanamh. I. M’L. Naidheachd. Bha ann an Normandy, ’s an Fhraing, cosnaiche bha air ur phosadh, duine calma sgairteil, agus bha e fein ’s a bhean, mar bu choir dhoibh a bhi, anabharrach caidreach. Thachair dhasan a bhi ’g obair ri latha uisge ’s gaillinn o mhoch gu anmoch, agus thainig e dhachaidh air a chlaidreadh gu goirt le h-obair a’s droch-shid. Bha ’bhean ’n a suidhe aig an teine. “An d-thainig thu ’ghaoil?” ars’ ise, “nach e sin an latha! tha e air a bhi cho fliuch ’s nach b’ urrainn mise dol a dh’ iarraidh uisge, ugus leis a sin cha ’d fhuair mi do dhinneir a dheasachadh; ach o’n tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, bhithinn a’d’ chomain n’an rachadh tu’ ’dh’iarraidh cuinneag uisge.” Thog e ’n da chuinneig, agus thug e’n tobar air; bha ’n tobar greis air astar, ach cha b’fhada gus an do thill e; chuir e aon de na cuinneagan air an urlar, agus thilg e na bha ’sa’ chuinneig eile air mullach cinn a mhnatha, agus a’ chuinneag eile air an doigh cheudna. “Sin, a ghraidh,” ars’ esan, “tha thusa nis co fiiuch ’s is urrainn duit a bhi, agus tha mi ’n dochas nach misd’ thu dol a dh’iarraidh an uisge.” Tha deagh fhios againn nach ’eil a’ h-aon de na mnathan Gaidhealach a dheanadh a’ leithid so; ach mar thuirt am Frangach, tha sinn “an dochas” nach misd’ iad an sgeul beag so a chluinntinn. Bha ’m Frangach bochd ’n a dhuine spurtail, tuigseach: cha b’ ionann agus ioma trusdar a bheireadh gleadhar an taobh an leth-chinn di.—Cuairtear nan Gleann. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 48] [Vol. 3. No. 6. p. 8] Ho mo Mhairi Laghach. LE ALASTAIR DOMHNALLACH, ’SA CHEAPICH AN ANTIGONISH. LUINNEAG. Ho mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi ghrinn, Ho mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi bhinn; Ho mo Mhairi lughach, ’S tu mo Mhairi ghrinn;— ’S ann tha Mairi bhoidheach ’Comhnaidh ann sna glinn. Dh’ fhalbh mi a mo dhuthaich, Chaidh mi ’n null air chuairt; Fhuair mi ’m measg nan armunn Ailieagan gun ghruaim; Choinnich Mairi bhan mi, ’S i cho lan de stuaim, ’S caoimhneil, banail, baigheil, Mar bu ghnath ’s bu dual. ’S bho ’n fhuair mi do chairdeas Gheibh thu ’n dan le loinn. ’S cluimear anns gach aite Mu ’n nigh’nn bhain gun fhoill. Mheall i bhuam le ’giulan Mo chruit-chiuil a’ sheinn Air gach grinneas naduir ’Ghlac i trath ’n a roinn. Tha do phearsa boidheach Bho d’ dha bhroig gu d’ bharr, Deas mar bha do sheorsa ’S tric ’thug corr air cach; Seang shlios sunndach, fallain, Mar chanach a’ chair, No mar shneachd nan geugan ’Tigh ’nn bho ’n speur gu lar. Tha do chuailean ar-bhuidh’ Ort an caradh dluth; ’S sniomhanach gu ’bharr e, ’S fainneagach do chul; Car ’s gach fuiltein grinn dheth ’Sios mar bhinn theud chiuil; ’S camagach mu d’ ghuailibh ’N a chleid dhual e ’n null. Tha do ghruaidhean boidheach Mar dha rois ’n am fiamh ’Bhiodh fo dhruchd a cheitein Moch mu ’n eireadh grian, ’Nuair bu deirge ’n dearrsadh, Fo bhad-sgail ’g an dion Ann an caoin ghleann fasaich Fo iochd blath nan sian. ’S mar dhearcagan fearr-dhris Air meanbh bharr nan geug, Tha do dha shuil mhiogach Fo ’n ruisg mhin-ghlan, reidh. S gorm ’s gur lìonte boidheach Fo dhreach neoil le cheil’ Iad, ’s gun chron ri ’fhaotuinn Dhaibh le h-aon fo ’n ghrein. Tha do dheud glan, boidheach, Geal, comhnard, ’ad bheul, Dhuth ’s gach te an ordagh ’S a cur corr an geill Air gach tlachd tha ’fas riut ’Chuir mo dhan air ghleus, ’S a bhios ur ’s gach coisridh Dhaibh mar cheol ’g a sheinn. Ged tha ’chuach ’s an smeorach Binn gu leoir ’s a’ choill, Fo shlios ur nan ro chrann, Ceol-bhinneach le loinn, B’ annsa leam bho m’ nadur, Guth mo ghraidh bhi ’seinn Na ’n cuanal mar chomhlath ’N gleannan ceo sa bheinn. ’S beag ionghnadh leam t’ uaisle ’Bhi ’cur suas do phris, ’S tu ’shliochd nam fear uaibhreach ’Sheasadh gual’ an righ, Domhnallaich a’ chruadail, ’Choisneadh buaidh ’s gach strith; ’S tric ’bha ’n turn san araich, ’S chuirteadh cach gu dith. ’S na ’n tachrainn sa’ chomhlan Mu ’n bhord ’san taigh-thairn’, Gu ’n seinninn daibh t’ oran ’S dh’ olainn do dheoch-slaint’. ’S bho ’n fhuair mi cho grinn thu, ’S tu siobhalta thar chaich, Bidh mo ghnath ’s mo chomhradh, Ort ri m’ bheo do chach. An Cagaran. SEANA CHRONAN ABRACH. Cagaran, cagaran, cagaran gaolach, Cagaran, foghainteach, fear do mo dhaoine: Goididh e gobhair dhomh, goididh e caoirich, Goididh e capull, us mart o na raointean. Cagaran laghach thu, cagaran caomh thu, Cagaran odhar na cluinneam do chaoine: Goididh e gobhair, goididh e laosboc Goididh e sithinn o fhireach an aonaich. Dean an cadalan, ’s duin do shùilean, Dean an cadalan beag ’n a mo sgùrdaich. Rinn thu ’n cadalan, ’s dhùin do shùilean; Rinn thu ’n cadalan—slàn gun dùisg thu. Leighis MINARD’S LINIMENT mise o dhroch cnatan Oxford, N. S. R. F. Hewson. Leighis MINARD’S LINIMENT mise o chas ghoirt. Yarmouth, FRED COULSON. Leighis MINARD’S LINIMENT Ròs Dubh ormsa. Inglesuille, J. W. RHGGLES, LITIR a fhuair sinn o dhuine còir an Antigonish an la roimhe: “Tha mi gle bhuidheach dhe’n MHAC-TALLA. Tha mi ’ga ghabhail a nis o chionn còrr us bliadhna. ’N uair thainig e ’n toiseach, cha robh duine stigh agam a leughadh Gàilig ach mi fhéin, ach an diugh leughaidh an teaghlach uile Gàilig, agus tha iad a dol na’s fhearr oirre na h-uile latha.” Minards Liniment air son Loine. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 49] [Vol. 3. No. 7. p. 1] Mac-Talla “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 18, 1894. No. 7. Domhull a Chogaidh agus Ailein Tailleir. (Air a leantuinn.) An ceann ùine gun bhi fada, fhuair Dòmhnull fearann ùr ann an cearn eile dhe’n sgireachd, beagan astair o’n fhearann a bh’aige roimhe. An deigh dha beagan réitich a dheanamh air, thog e tigh beag logaichean, agus rinn deiseil gu dhol dh’ fhuireach ann. Air feasgar àraidh bha e leis féin san tigh ùr sin (bha’n teaghlach fhathast anns an t-seann tigh) ’na shuidhe mu choinneamh an t-simileir ’ga gharadh fhéin an deigh ’obair-latha agus a deanamh cas tuaighe. Cha robh anns an tigh ach an aon rùm air fad agus bha solus an t-simileir ’g a shoillseachadh gu h-iomlan. Bha na similearan ud ’san amanabarrach mòr; ghabhadh iad maidean connaidh a bhiodh còig ’sa sia de throighean a dh’ fhad, agus ’n uair a bhiodh tòrr mòr dhiubh sin ’nan craosaich dheirg air an teine a toirt blàiths us soluis uatha, cha’n iarradh duine sòlas a b’ fhearr na bhi, mar bha Dómhnull a Chogaidh air an oidhche so, ’na shuidhe mu choinneamh an t-simileir s’ a’ driongan ri obair sam bith a thigeadh gu ’làimh. Air a cheart oidhche so chuir Ailein Tàillear roimhe tighinn air chéilidh air Dòmhnull a dh’ fhaicinn ciamar bha ’dol dha ’san tigh ùr. Air dha an tigh a ruigheachd thug e sùil troimh na sgaran a bh’ eadar na logaichean, agus ghabh e beachd air suidheachadh Dhòmhnuill. Air ceann an taighe bha toll air a ghearradh as na logaichean anns an robh dùil aig Dòmhnull, ’nuair a dh’ fhàsadh e beagan na bu bheairtiche, uinneag a chur, ach a bha ’n dràsda air a dhùnadh le pios aodaich a bha air a thàirnneadh aig bràigh an tuill agus ’ga chòmhdach thairis mar chùirtein. Bha ceann caorach a bha air a marbhadh an latha sin féin air bun craoibhe faisg air an tigh, agus bha gunna, a bha air a thoirt as a chéile air son a ghlanadh na sheasamh faisg air an dorus. Thog Ailein am barailte agus stob e ’n darra ceann dheth suas troimh amhach na caorach air dhòigh ’s gun robh e tighinn mu leitheach a mach air a beul, agus bha e ’n sin deiseil gu dhol a dh’ obair. Chuir e ceann na caorach ann an toll na h-uinneag, agus phut e stigh e, a lion beagan us beagan. Dh’ fhairich Dòmhnull starban aig an uinneig, ’s thug e sùil an rathad a bha i. Gu de b’ iongataiche leis na an cuirtein fhaicinn ’g a chur an darra taobh agus ceann na caora bàine a’ nochdadh a stigh. Chuir Ailein a bheul ri barailte ’ghunna, thòisich e air labhairt troimhe, ’s bheireadh Domhnull a mhionnan gu’m b’i chora bha ris an t-seanchas. Sheas am falt air a cheann ’s chlisg a chridhe le eagal ’n uair chual’ e ’chaora ’g radh, “A Dhomhnuill! A Dhòmhnuill! A Dhòmhnull! Tha thusa dol a bhàsachadh Di-haoine agus bidh tu air do chur fo’n fhòd Di-sathairne!” agus ’an sin chaidh ceann na caora as an t-sealladh. Cha d’ fhuair Domhnull norradh fad na h-oidhche, agus tràth ’sa mhaduinn thog e rithe dhachaidh ’s thug e ’n leab air. ’N uair a dh’ innis e mar thachair dha, cha robh guth no iomradh air ni sam bith elle feadh na coimhearsnachd. Bha àireamh mhath ann nach robh ’creidsinn a sgeoil a thaobh ceann na caorach, ach bha choltas cho bochd agus’ inntinn cho mor tromhe cheille ’s nach b’ urrainn do neach sam bith a chur an teagamh nach fac’ e rud-eigin. ’S iomadh facal reusanachaidh agus comhfhurtachd a thug na nàbuidhean dha, ach bu diomhain an obair; cha robh freagairt aige dhaibh a b’ fhearr na bu mhiosa na gu robh aige ris an saoghail so fhàgail Di-haoine, gu ’n d’ innis a chaora sin dha. Thainig an latha mor sin mu dheireadh thall ’s chaidh e seachad, ’s bha Domhnull fhathast beò—maduinn Di-sathairne smaoinich e nach robh math dha bh toirt géill do’n chaora na b’ fhaide, agus dh’ éirich e. Cha deachaidh moran làithean seachead ’nuair a fhuaras a mach co thug comas labhairt do ’n chaora agus ’na chual e chuir iad an aonta ris gun do chuir Ailein a cheart uiread eagail air Dòmhnull le ceann na caoach’sa chuir Domhnull airsan aig a chladh. Is sgeula firinneach so; ma chuireas neach sin ’an teagamh, cha ’n eil aige ach feòrach de dh’ aon sam bith de Ghàidheil Ghlinn-Garraidh, agus mur creid e mise creideadh e iadsan. DIARMAD. Na Seilleinean. Tha tri seòrsa sheilleinean a’ gabhail còmhnuidh anns gach sgeap; ’siad sin na seilleinean òga; na seilleinean dìomhain, agus a’ bhan-righ. Rè an t-samhraidh tha na seilleinean òga ro-ghnìomhach, a deanamh suas Chirean, agus ’gan lionadh le mil; ach tha na seilleinean dìomhain a’ fantuinn an còmhnuidh san sgeap, agus ag òl na meala a ta a’ chuid eile a’ tional. Aig deireadh an t-samhraidh, ’nuair a ta a’ chìr-mheala làn, agus an obair thairis, tha na seilleinean dìomhain air an tilgeadh mach le cach o’n sgeap, agus air am marbhadh, no air am fàgail gu bàsachadh le fuchd agus le gorta. Tha ban-righ anns gach sgeap, a’ riaghladh agus a’ cumail orduigh am measg nan seilleinean. Cha leum sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bàs fàsaidh iad mall ’nan obair, agus théid iad ma dheireadh gu neo-ni. Oibrichidh an seillein gu dìchiollach air feadh an t-samhraìdh chum gu’m bi pailteas aig air feadh a’ gheamhraidh: Agus nach còir d’a so gach leisgean a theagasg, gu bheil e mar fhiachaibh air dìchioll a dheanamh air son na beatha a ta làthair, ’nuair tha e òg agus comasach air so a dheanamh? Cum Minard’s Liniment ’san tigh. [TD 50] [Vol. 3. No. 7. p. 2] UILLEAM UALLAS. LE AONGHAS MAC COINNICH. ’NUAIR a fhuair na Sasunnaich Alba fo smachd dhoibh féin, ’sa bhliadhna 1290 bha iad a’ cleachdadh na h uile fòirneart a b’ urrainn iad thairis air an luchd-àiteachaidh. Bha ’n t-àrd fhear-lagha, Ormeslie, a’ gairm gu cunntas nan ulie nach tugadh mionnan-striochdaidh do Eideard. Bha mòran de na h-Albannaich a’ diùltadh sin a dheanamh mar ni air nach robh còir aig righ Shasuinn, a fhuair làmh an uachdair orrasan, ni ’s mò le seòltachd na le treubhantas ’us gaisg’ a chuid saighdearan. Air son an diùltaidh so bha e ’toirt uath’ an cuid fearainn ’us maoin, ’s ga ’m peanasachadh air iomadh dòigh eile. Bha Uisdean Cresingam, am fear-ionmhais Sasunnach, mar an ceudna ga ’m pianadh a’ togail airgid uatha fo chaochladh leth-sgeulan. Cha robh mòran airgid a’ ruith a measg nan Albannach ’s na linnibh ud, ’s cha robh iad cleachdta ri bhi ’paigheadh mòran do an righribh dùthchasach féin a bha ghnàth a’ taisbeanadh comhfhulangas a bhi aca ri ’m bochduinn. Bha iad, mar sin, gu mòr air an tàmailteachdadh le bhi air an éigneachadh gu suimean ro mhòr iocadh do Chresingam, air son aobhar sam bith, no aig àm sam bith a b’ àill leis. Agus a thuilleadh air a mhi-riarachadh a bha ’g éiridh o na h-aobharaibh so, bha na saighdearn Sasunnach leis an robh gearastona na rioghachd air an lionadh a’ deanamh mòran ainneirt air an t-sluagh, ’s a’ taisbeanadh mòran tàir’ ann an dòighibh déiligidh ris gach iosal ’us uasal ’n am measg. Bheireeadh iad uatha gun fhoighneachd ni sam bith a chitheadh iad ac’ anns an cuireadh iad sùil, ’s nan gabhadh neach sam bith a bhiodh iad a’ creachadh air cur ’nan aghaidh, gheibheadh e bhualadh ’s a lotadh, ’s bha iad eadhon a’ cur cuid gu bas air son a bhi ’dìonadh an codach féin uatha. Cha b’ ioghnadh ged a bha na h-Albannaich air an tàmailteachadh co maith ’us air an sárachadh leis na h-uile ni a bh’ ann, s ged a bhiodh iad deònach air a’ cheud chothrom a ghabhail air éiridh ’an agaidh an luchd-fòirneirt, na Deasaich, mar theireadh iad féin riu, agus an duthaich aiseag a dh’ ionnsuidh na saorsa dheth an robh iad air an spùinneadh le foill agus ain-iochd righ Shasuinn. Cha robh ni ga ’n cumail gun sin a dheanamh ach easbhuidh fir treòrachaidh as am biodh làn earbs’ aca ’s a bhiodh ’s na h-uile seadh freagarrach air son a dhol air an ceann ’s an cumail air rian ann an ’oidhirpibh air an luchd sàrachaidh fhuadachadh a’ mach as an tir. Angus gu freasdalach, bha leithid sin de fhear-treòrachaidh air a thogail suas ann am pears Uilleim Uallais. Cha b’ aon de àrd-mhaithean Alba Uilleam Uallas, ach bu mhac duin’ uasail e da ’m b’ ainm Sir Callum Uallas á Ellersli, ’n Siorrachd Renfriu. Bha Sir Callum so air a mharbhadh leis na Sasunnaich, agus a bhantrach air teicheadh gn taobh tuath amhainn Thatha, far an robh a cuideachd. Bha mar so aobhar fuath gu leòir aig Uilleam do na Sasunnaich. Ach thàinig iad ni bu ro fhaisg na sud air mu ’n do dhùisgeadh suas a spiorad gu ceannairc. Tha luchd-eachdraidh ag innseadh, a’ measg sheanachasan eile mu thimchioll, gu ’n robh e là àraidh ag iasgach ann an amhainn Inbhir a bha ’na choimhearsnachd. ’An àm dha bhi pilleadh dhachaidh, còmhladh ri balachan a bha ’giùlain an éisg a ghlac e, ann am bascaid, choinnich dithis no thriùir dheth na saighdearan Sasunnach e, a bhuineadh do Ghearaston Ara. Rinn na saighdearan gu neo mhodhail, air son am bascaid leis na bh’ ann a thoirt o’n bhalach. Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt doibh. Ach o nach biodh na Sasunnaich riaraichte le ni bu lugha na ’n t’ iomlan, thàinig na fir o fhoclaibh gu buillibh. Cha robh armachd aig Uallas ach a shlat-iasgaich. Le ceann reamhar na slaite bhuail e buill’ air fear de na saighdearan ’s a cheann leis ’an do mharbh e air a bhad e. Thug e grad thàmhadh air claidheamh an duine mhairbh, s chog e co duineil leis ’s gu ’n do chuir e càch gu teicheadh, ’s gu ’n d’ fhuair e dhachaidh leis a’ bhascaid éisg slàn, fallain. Ach b’ éigin da teicheadh air son a bheatha, ’s a bhi fo ’n chioll car ùine, ’s an déigh sin àit eile de ’n dùthaich a thoirt air far nach robh an gniomh co aithnichte. B ann an ath-bhliadn’ an déigh sud a dh’ éirich e’n aghaidh nan Sasunnach. Bha e air pòsadh an sin, ’s a chòmhnuidh ’am baile Lanairc. Air là àraidh, ’an àm an earraich, bha e ’coiseachd tre ’n bhaile, air a sgeudachadh le deis’ uaine, a bha fasanta ’measg nan uaislean ’s an àm sin de ’n bhlaidh- ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. G. H. GUZZWELL, SIDNI, C. B. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan. [TD 51] [Vol. 3. No. 7. p. 3] na agus tearc de luchd-leanmhuinn ’s de chàirdean còmhladh ris, a’ measg an robh Sir Iain Greumach. Thàinig Sasunnnach mi-mhodail an rathad, ’s thòisich e ri magadh orra. “Seadh,” ars esan, ri Uallas, “a bheil thu air tighinn as ùr a nall thar fairge? Tha thu co rìomhach ’s gu ’n do shaoil leam gur h-e bh’ ann diot cùirt-theachdair a’ toirt ban-righ nuadh da ’r n’ ’ionnsuidh.” Ghabh Uallas air aghart a’ giùlain na h-athais gu foighidneach, ain-deònach air mithlachd sam bith a thogail. Ach dh’ iath mòran de ’n phràpar Shasunnach mu ’thimchioll, a’ sior thilgeadh athais air. Mu dheirnadh bhuil fear dhiubh ceann na truaill anns an robh ’n claideeamh a bha Uallas a’ giùlan air a thaobh. Ghrad tharruing esan a chlaidheamh ’s chuir e’n Sasunnach gu talamh le aon bhuille. Ann an tiota bha ’n t-sabait air a’ bonn. Réitich ’na bha làthair de ’na h-Albannaich, mu cùig duine-fichead—rathad doibh fèin gu tigh Uallais. Dh’ fhosgail a bhean an dorus. Ghabh Uallas féin, ’s a reir coslais tearc de luchd-leanmhuinn, a mach air dorus cùil ’s ràinig iad coill’ a bha dlù dhoibh anns an robh Gil ris an abrar Creagan Chartland, anns am b’ urrainn siad iad féin a dhionadh o’ luchd tòrachd sam bith a dh’ fheudadh a dhol air an lorg. Ach rinn Hoselrig, an riaghladair Sasunnach, dioghaltas eagalach air Uallas air son na thachair. Loisg e tigh Uallais ’s chur e ’bhean gu bàs. Theich ban-oglach a bh’ aice gun fhios, a mach do ’n choille, ’s dh’ innis i na h-uile ni do Uallas ’s d’ a luchd-leanmhuinn. Bha ’chràdh spioraid eagalach ri fhaicinn. Sheas a luchd-leanmhuinn timchioll air a’ gul. Fadheòidh thuirt Uallas riu, “Togaibh dheth fheara, is pian gun fheum so. Cha ’n urrrainn sinn ise a thoirt air ais. Ach cha ’n fhaicear tàmh agamsa gus an dean mi dioghaltas air son ise a bha co taitneach ’s co àillidh, a chur gu bàs.” Air an dearbh oicdhche sin thionail e deich fir fhichead de dhaoine dileas, misneachail, ’s chaidh e gu sàmhach a steach do ’n bhaile. Ràinig iad tigh an uachdarain. Bha e féin na luidh’ ’an rum uachdrach gu dorus an robh ceuman staidhreach a’ dìreadh suas o ’n t-sràid. Dhìrich Uallas suas an staidhir so, chuir e neart ’an aghaidh an doruis, ’s dh’ fhàisg e steach roimhe e. Leum an Sasunnach, làn uamhais; a mach as a leabaidh, ’s ghlaodh e, “Co tha deanamh na h-iorghail so? Tha mise, Uallas a bha thusa sireadh fad an là.” Le sin bhuail e co guineache, ’s gu ’n do sgoilt e’ cheann ’s gu ’n deachaidh an claidheamh sios gu cnàimh na h-amhach. Dhùisg buaireas air feadh na sràide. Thionndaidh na saighdearan Sasunnach a mach, ’s dh’éirich fir Lanairc thun a’ chòmhraig. ’N uair a shoilleirich a’ mhaduinn bha dà fhichead deug de na Sasunnaich nan luidhe marbh air na sràidibh, ’s na h-Albannaich ’n am maighstiribh air a’ bhaile. Sgaoil iomradh a’ ghniomh-euchdaidh so air feach na dùthcha gu h-ath-ghoirid, agus thòisich àireamh de dhaoine tapaidh, colgant’ air tional gu Uallas, mar an ceannard. Bu duine neo-chumanta foghainteach Uallas, ’am pearsa co maith ’s an inntinn. Ma ’s fior na bheil air innseadh mu ’thimchioll le luchd-eachdraidh feumaidh gu ’m b’ aon e de ’na curaidhean co treum sa bha ’n linn no ’n àite sam bith. Ach tha e soilleir gu leòir o chaochladh nithibh mu nach urrainn teagamh a bhi, gu ’m bu duine neo-chumanta calm e. Ann am pearsa, garbh-chnàmhach; aghaidh fhada shoilleir; folt soilleir donn; sùilean soilleir geur-sheallach; scòrr air taobh clì na smeigid; coslas a ghnuis’ smuaireanach dubhach. So dealbh Uilleim Uallais, duine sònruichte a measg mhòran mhìltean. B’e ’n garg-churaidh so, air a lotadh ’na spiorad, ’s air a dhùsgadh suas mar leòmhan boirionn o’n do bhuineadh a cuileanan, a rùnaich, le co-chuideachaidh a luchd-dùthcha, gu ’n rotadh e mach, aig roinn na béigileid, a h-uile Sasunnach a bha cadar ceann a tuath ’us ceann a deas Alba. B’ ann goirid an déigh dha ’n cuideachadh a dh’ ainmich sinn fhaotainn, agus tighinn a dh’ ionnsuidh an rùin ud, a thachair an ni ris an abrar an ceann a deas Alba, Saibhlean Ara.* Bha na Sasunnaich a nis a’ tòiseachadh a’ gabhail eagal roimh an treubhantas agus a’ ghliocas a bha Uallas ’s a luchd-leanmhuinn a’ taisbeanadh ann an oidhirpidh air an tir a shaoradh o luchd-fòirneirt. Agus ’s ann a smuainich na h-uile-bheistean ud a nis air déiligeadh ri Uallas ’s a luchd-leanmhuinn le foill. Leig iad orra gu ’n robh iad air son sìth a dheanamh. Dh’ fhiadhaich cuid de ’n luchd-riaghlaidh Uallas agus a’ chuid oifigearan gu comh-labhairt riu féin mu chumhachan *Barns of Ayr. sìth. Bha ’choinneamh gu bhi air a cumail an taobh a muigh de bhail’ Ara, ann an aitreabh mhòr fhiodha. Gheall na h-Albannaich coinneachadh riu gu siochail, a reir an t-sean-fhocail fhirinnich, “an duine nach bi olc air aire, cha smuainich o olc fir eile.” Air taobh a muigh na h-aitreibh bha na h-uile ni gu maiseach agus an deadh òrdugh mar bu chóir a bhi. Ach air an taobh a stigh bha inneala bàis. Bha àireamh shaighdearan a’ feitheamh air son gniomh chrochadairean a dheanamh. Bha buill chainbe air an ceangal gu h-àrd ri sailibh na h-aitreibh agus snaimeanna-ruith air na ceannaibh a bha sios diubh air son cinn nan Albannach a thilgeadh annt’ a lion fear ’us fear, mar a bha iad a’ dol a steach. B’ e Sir Reiginald Crauford, Siorraimh Siorrachd ud féin, ’us bràthair-màthar Uallais, aon de’n cheud fheadhainn a thuit ’s an rib’ ud. Lean mòran as a dhéigh-san, gun duin a thoirt rabhadh dhoibh. Cha tàinig duine riamh a mach a chaidh a steach. Bha ’n cuirp air an tilgeadh ’n an aon dùn air muin a chéil’ an ceann shuas na h-aitreibh. Ach fhuair boirionnach fìrinneach ’s a’ chòimhearsnachd nach robh saor o an-amharus, innleachd éigin air sealltuinn a steach agus na nithe a bha dol air aghart fhaicinn. Bha Uallas, gu freasdalach, rud-éigin fadalach gun tighinn, ’s bha bhean so ga fheitheamh air son rabhadh a thoirt da. Co luath ’s a chunnaic i e tighinn fagus, chaidh i ’na choinneamh ’s ghlaodh i, “Oh Uallais ghaisgich, chroch iad do chàirdean mar dheanadh iad air na coinluirg!” Stad an gaisgeach ag éisdeachd na sgéil eagalaich, agus ’s gann a b’ urrninn e suidhe ’na dhiollaid le bròn ’us tùireadh. Ach ged bu duine teodh-chridheach Uilleam Uallas bha e fad o bhi meath-chridheach. Cha robh maith sam bith dol a dh’ iarraidh lorg air a leithid de ni is “géill,” ’s an fhoclair aige-san. Cha robh e riamh ann. Agus uime sin b’ e ’n ath char Dioghaltas! Ghabh e cuairt ’s a’ choimhearsnachd toiseach na h-oidhche gus am faiceadh e ciod a thachradh. ’N uair a chaidh na mortairean, ’s an t-sabhal mhòr ud, air mhisg le fuil’ ghabh iad an sin a’ mhisg le dibh làidir, leann Eireannach, ’us deochaibh mealltach eile, ’s chuir iad roinn mhòr de ’n oidhche seachad le danns ’us misg. (Ri leantuinn.) [TD 52] [Vol. 3. No. 7. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton SIDNI, OGUST, 18, 1894. CHA’N eil Japan us China ann an teas a chogaidh fhathast, ach tha iad nam fuil ’s ’nam fallus a’ deanamh deiseil, ’sa toirt ionnsaidhean beaga air a chéile ’nuair a gheibh iad an cothrom. Tha rioghachdan us dùthchannan na Roinn-Eòrpa ’s America aig an àm cheudna ’cur an cinn ri chéile feuch de ghabhas deanamh. Tha Breatunn air son an cumail o dhol a chogadh, ’s air son Corea a thoirt uapa ’s gun còir a bhi aig dùthaich seach duthaich oirre, agus ma gheibh i chuid a’s mò dhe na dùthchannan eile gus an aonta thoirt, ’s ann mar sin a bhitheas. Tha Ruisia air an laimh eile deònach air an leigeadh ’an cìreanan a chéile gun fhios nach teid China a lagachadh air dhòigh s’ gu faigh i féin a bheag no mhor de dh’fhearann a ghlacadh. Tha Ruisia a ghnàth a sireadh tuilleadh fearainn. Ma gheibh Ruisia a dòoigh fhéin ’s gu’n teid China us Japan air an aghaidh leis a chogadh, tha e doirbh a dheanamh mach cò air a ghabhair. Tha Japan air a deagh uidheamachadh air son cogaidh, tha saighdearan ionnsaichte aice, air muir ’s air tir, agus tha ’sluagh aonaichte mar aon dunne Tha China gun a bheag sam bith de shaighdearan ionnsaichte, s cha mhor nach faodair ràdh nach eil arm-mara aice idir. Cha’n eil aonachd sam bith am measg an t-sluaigh, agus cha mho tha gràdh aca do’n Iompaire, oir cha’n ann dhiubh féin e. Ach oibrichidh iad cuideachd air uairean, agus tha iad cho lionmhor ’s ged chailleadh iad duine mu choinneamh a h-uile duine tha ann an Japan, nach ionndraineadh iad as am measg iad. Tha e duilich a dheanamh mach uime sin ciamar a rachadh dhaibh. Tha ’n t-ionnsachadh air taobh Japan ach tha ’n àireamh air taobh China. Tha Cuideachd a Ghuail a’ cur seisd ri luchd reic na deoch-làidir. Bha deichuear aig cùirt ’sa bhaile an là roimh. Dh’ aidich dithis, ’s phàigh iad a chàin, chaidh ceathar eile dhìteadh, ’s ceathrar eile leigeadh seachad gu àm eile. Bha réis mhor an uiridh air an taobh sa’ dhe ’n chuan eadar soitheach Geancach us soithoach Breatunnach agus fhair an Geancach buaidh. Chaidh an soitheach ceudna null a Bhreatuinn air an t-samhradh so, a chur réis ri soitheach eile, agus chaill i gu dona, cho dona ’s gu bheil am fear leis an leis i ag radh nach cuir e réis leatha tuilleadh. CHA’n eil sluagh air an t-saoghal an diugh cho fad air ais mar dhaoine ri nàisinich Australia. ’S gann gu bheil eadhon tùr nàdarra aca, ’s cha’n eil e comasach dhaibh reusanachadh sam bith a dheanamh. Cha’n eil smuain aca thaobh cumhachd a’s àirde na iad féin ach eagal. Tha iad eadar a bhi dubh ’sa bhi donn ’sa chraicionn, ’s cha’n eil iad a cosg ach fior bheagan aodaich. Na tha de dh’ innealan tuathanachais no cogaidh aca tha iad air an deanamh air fiodh agus air an cumadh cho gròigeil ’s cho seana-ghnàthach ’sa bh’ann riamh o linn Adhaimh. ’SE b’ ainm dh’ an ghille chaidh a bhathadh aig a bhaile so air an t-seachdain s’a chaidh Sidney Meagher ’s cha b’ e Marr mar thuirt sinn ’sa MHAC-TALLA Di-sathairne. Bha e féin us gìll’ eile a cleasachd mu sheann bhàta, ’s thuit esan dh’ an uisge. Ruith am fear eile gus cuideachadh fhaotainn, ach ’n uair a thill e bha e air a bhàthadh. Bha e aona bliadhn’ deug a dh’ aois. DH’ fhàg Winnie Nic Isaic, caileag òg aois dheich bliadhna, a dachaidh aig Gallas Point, E. P. I., o chionn còrr us seachdain, agus a dh’ aindeoin gach siubhail a rinneadh air a son cha d’ fhuaireadh i gu ceann nan seachd latha, ’nuair thachair i air duin òg a bha dol troimh thom coille mu dha mhile o ’dachaidh, Bha i beo fad na h-ùine sin air suidheagan àrda. Cha robh i gearain an acrais idir, ach bha pathadh mor oirre, JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 53] [Vol. 3. No. 7. p. 5] NAIDHEACHDAN CHAIDH tigh ’na theine ann an Danesville Ont, an oidhche roimhe, agus chaidh am fear a bha comhnuidh ann a losgadh gu bàs, BHA droch thienntein ann am Manitoba, air an t-samhradh so, agus tha moran dhe ’n choille b’ fhearr a bh’ anns an dùthaich air a milleadh. CHAIDH duin’ òg de ’n ainn Black a bhathadh ’an Grand Mira air an t-seachdain s’a chaidh, Bha e mach a’ snàmh ’nuair a thachair sin. FEUMAIDH Seumas Mac Illemhaoil ’s na h-Eileanan Coille, E, P, I., ar leisgeal a ghabhail, Fhuair sinn a litir, agus bi’dh i air a clo-bhualadh ’s an ath àireamh. THA ’N t-Easbuig Camaran a tighinn a Cheap Breatunn air an t-seachdain s’a tighinn; agus bidh e aig a phic-nic a tha gu bhi aig a Bhras d’Or Di-máirt ’s Di-ciaduin. BHUAIL soitheach-smùide ann an soitheach seòlaidh aig Sidni Tuath aon la air an t-seachdain s’a chaidh. Cha deach gin dhiubh a chur o fheum ach gabhaidh e da mhile dollar gus an soitheach beag a chur na h-àite fhéin a rithist, TAA ’N soitheach-smuid “Arcadia” a ruith eadar Sidni us Bay St Lawrence na h-uile seachdain a fàgail Shidni aig ochd uairean ’sa mhaduinn Di-màirt ’sa taghal aig Sidni Tuath, St, Ann’s Ingonish us Aspy Bay, agus a tileairadh Dior-daoin. CHAIDH Seumas Dunn, a mhuinntir a bhaile so, a mach do Ghlace Bay Di-ciaduinn, agus ’an sin thuit e marbh beagan an deigh dha ruigheachd. Bhual a ghrian e air a mhios s’a chaidh agus cha d’ fhuair e ’shlàinte ceart riamh uaithe sin. THA biastagan a choirce a’ deanamh call gu leòr ann an iomadh cearna dhe’n eilein. Thug iad an sgriob cheudna air feadh na dùthcha a cheithir bliadhna ’n fhoghair so. Bha ’n t-side gle fhàbharrach dhaibh am bliadhna, agus dh’ fhàs iad anabarrach pailt. ’N UAIR thainig ban-righ Victoria gu crùn Bhreatunn bha da fhichead ’sa h-aon as a h-uile ceud dhe ’n t-sluagh nach b’ urrainn leughadh; an diugh cha ’n eil ach seachdnar as gach ceud nach urrainn leughadh a dheanamh. THUIT fear Iain Friseal a mhuinntir Sidni Tuath bhar mullach simileir a thatar a’ togail a mach faisg air méinn an Reserve agus chaidh a ghoirteachadh gu dona. Cha’n eil dùil aca ri e thighinn uaithe. Tha mullach an t-simileir bhar ’n do thuit e tri fichead troigh ’sa coig o’n talamh. CHAIDH duin’ og, Seumas Foyle, a dh’ fhalbh á Baddeck o chionn ochd bliadhna a mharbhadh ann am Patterson, New Jersey, air a 24mh la dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e mach le carbad us paidhir each, ghabh na h-eich eagal ’s bha e air a thilgeadh a mach, ’s cha robh e beò ach beagan mhionaidean, CHAIDH Coinneach Mac Fhionghain a bha ’g obair aig an International Pier a ghoirteachadh gu dona feasgar Di-ciaduinn. Thuit pàirt dhe’n obair a bha iad a cnr suas, agus bha esan fodha. Chaidh a làmh a bhristeadh agus dealg na guaille, ’s chaidh a ghearradh ’sa bhruthadh gu dona a bharrachd air sin. Cha deachaidh duine ghoirteachdadh ach e fhèin ach chaidh àireamh cho faisg air ’s gu robh na geilbean, leis an robh iad ag obair, a thilgeadh as an làmhan. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment Iadsan a Phaigh. Captn. E. Mac Amhlaidh, Gloucester, Mass. Bean C. B. Fox, Mattapan, Mass. A. R. Domhnullach Albany, N. Y. Iain W. Kerr, Quincey, Mass. Donnacha. Kerr, do. An t-Urr. M. Mac Coinnich, Morden, Man. Bean D. Friseal, Brucefield, Ont. Seumas Domhnullach, Priceville, do. Eachunn Mac Fhionghain, do. Domhnull Mac-a-Phi, Barry’s Bay do D. Mac Fhearghais, Penetanguishene, do. Alasdair Mac Eallair do. Iain MacFhearghais, Port Arthur, do. Eoghan Mac Gilleain, Eilean Phictou. Alasdair Mac-a-Phi, Amhuinn-a-Deas, N. S. Iain A. Mac Gillebhràth, Dunmaglass do. D. Mac Rath, Vancouver, B. C. I. D. Mac-a-Pheasain, Green Marsh, E. P. I. Iain G. Mac Leoid, Port Righ, ’san Eilean Sgiathanach. A. D. Mac Fhionghain, do. do. An t-Urr. D. Mac Gilleain, Durinish, do. Padruig Dùghallach, Loch Side, C. B. (45c.) Eós Currie, Sydney Forks. E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis. Iain B. Gillios, Gleann nan Sgiathanach. S. B. Mac Neill, Cleveland. Iain I. Mac Fhearghais, Port Morien. Niall Mac Leoid, (Eildeir) do. Callum Mac Amhlaidh. do. Iain Mac Amhlaidh. (Gobha) Iain Mac Gill-Fhinnein. Bean Iain Bhuchanan, Aonghas Mac Fhearghais. Domhnull Mac ’Ille-mhaoil. Alasdair Mac Neacail. Alasdair Domhnullach, (Saor.) Gilleasbuig Mac ’Ille-mhoire. Seumas Patterson, S’y Forks. Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Tearlach MacLeoid, Framboise. Aonghas Mac Cuish, Bridgeport, Domhnull Mac Phearsain, G, Narrows. Murchadh Domhnullach, Ceap Nòr. Capt. R. Domhnullach, Sidni Tuath, (25c.) A. S. Mac Neill, an Amhuinn Mheadhonach. Padruig Moireastan, Sydney. Donnacha Mac Gill-Fhinnein, do. Bean C W Hill, do ($1.50.) Niall Mac Phearsain, do Floiri Nic Amhlaidh, Catalone, ($1.50.) Tormoid Mac Amhlaidh, Loch Ghabarus, (50c) Eoghan Mac Aonghais, Horne’s Road, Aonghas Mac Amhlaidh, Kennington Cove, Eoseph Domhnullach, Sidni Tuath, Niall Domhnullach, Baddeck, D T Caimbeul, Bràigh Ghlencove (50cts,) Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. Cha ’n eil Iarla Abaraidhean no ’bhan-Iarla dol a thighinn a Cheap Breatunn air an turus so idir. Leighis MINARD’S LINIMENT mise o dhroch cnatan Oxford, N. S. R. F. HEWSON Leighis MINARD’S LINIMENT mise o chas ghoirt. Yarmouth, FRED COULSON. Leighis MINARD’S LINIMENT Ròs Dubh ormsa. Inglesuille, J. W. RHGGLES. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 54] [Vol. 3. No. 7. p. 6] Beath-Eachdraidh Challuim Chille, CAIBIDEIL II. Dheònich a dha-dheug do na fòghlumaich aig Colum Cille falbh maille ris a Eirinn. Is iad an ainmean Baithen (a Chlerach), Diarmid (a mhinistear) Mochonna, Cobhach, Ernaan, Rus, Fechno, Scandal, Eochoid, Tochannu Cairnaau agus Grillaau. Bha Colum Cille a toirt comhairle air Mochonna (mac Righ Ulster) gu’n a dhùthaich agus a phàrantan fhàgail. Ach dhiùlt e tilleadh, a freagairt “Is e thusa m’ athair an Eaglais mo mháthair, agus an àite anns an cruinnich mi an toradh as mó do Chriosd, mo dhùthaich.” Bha mar so intinn theachdairean-soisgeulach aig Colum Cille agus a chompanaich a fagail Eirinn. Sheòl iad ann an currach, a bha na bàta laidir, agus rainig iad tìr aig Port-a-Churraich ann an Eilean I, (ris an abrar mar an ceudna Innis-nan-Drui’neachaig ’s an ám sin.) Dhirich Colum Cille an cnoc a b’àirde bha ’s an eilean, ’s chunnaic e gu robh e á sealladh Eirinn; oir bha do gràdh aig da dhùthaich, ’s nach bitheadh e toilichte a bhi ga faicinn gu’n bhi innte. Rùnaich e a chòmhnaidh a dheanamh san eilean bheag sin oir chunnaic e gu’ robh e so-ruigsinn do na h-eilleanan mun cuairt, agus gun robh e na eilean a bha maith airson bàrr agus ionaltradh, agus mar sin ro fhreagarrach airson àite tàimh fhoglumaich agus theachdairean. Bha so anns a bhliadhna A. D. 563. Chaidh càrn a thogail air mullach a chnuic a dh’irich Colum Cille, ris an abrar fhathast Càrn-cul-ri-Eirinn. Thug Conal, Righ na Scuite (Scots), Eilean I do Choluim Chille mar sheilbh, agus dhaingnich Bruidhe no Bride, Righ na Piouich (Picts) a chòir, agus anns a bhliadhna 565, thog Colum Cille Cathair Chuldich anns an Eilean. Bha a Chathair a co-sheasamh ann an eaglais, tigh do na coigrich, agus tighean do na ministearan agus na fòghlumaich. Bha na tighean air an togail le fiodh agus slantan caoil. Tha an t-Urramach Bede, a sgriobh Eachdraidh na-Eaglais ann an Sasuinn, mu chiad bliadhna ’n deigh bàs Choluim Chille, a toirt an cuntas a leanas air a theachdaireachd;—“Ann am bliadhna Chriosd, cuig ciad tri fichead agus a cuig, ’nuair a bha Iompaìreachd na Roimhe fo riaghladh Justin a b’òige, thainig Colum Cille a bha na Phreasbitair agus na Abba, agus a bha ro chliùiteach airson a shaothair agus a ghiùlan agus sin gu fiughail, á Eirinn do Bhreatuinn. Be a rùn ann a bhi teachd,—focal Dhé a shearmonachadh ann an dùthchannan nam Piocuich Thuathach (Nothern Picts) oir bha ’n sluagh a bha mu Dheas dhiubh sin air an iompachadh a chum a chreidimh le Finian ùine fhada roimhe an àm sin. Thainig Colum Cille do Bhreatuinn ’nuair a bha Bride, prionnsa ro chumhachdach a rioghachadh os ceann nam Piocuich, agus rinn cumhachd teagasg an duine naoimh agus buaidh es eamplair, an cinneach sin iompachadh a chum a chreidimh.” Cha Colum Cille a thaobh a phearsa a chumhachd inntinn, agus ionnsachadh ro fhreagarrach airson an obair mhor agus iongantach a thugadh dha ri dheanamh— “Is fior, nach faigh am focal buaidh A dh’ aindeoin achd an teid a luaidh A dh’ easbhuidh cumhachd Dhé nan sluagh A bhi, ’s an uair’ ’g a chuideachadh. Ach far ’n do chuir e roimhe féin, A bhi le shoisg eul deanamh feum, ’N sin bheir e deasachadh is gleus, Do ’n Inneal reir na h-oibre sin.” Bhr e àrd, tlachdmhor na phearsa, a shùil ro bheothail, agus a ghuth cumhachdach gidheadh binn. ’Nuair bhitheadh e seinn nan Salm chluinnte mile air astar e. Bha e air mhodh chorporra treun agus foghainteach, air alt ’s gu’m b’urrain e moran saothair agus allaban a ghiùlan. Ged’ bha e duineil neo-sgàthach agus smachdail, bha e làn do shimplidheachd, dilseachd agus caomhalachd. Nuair a bha na tiodhlacaibh nàdurra so, air am maiseachadh le gràs agus e air uidheamachadh le “ullachadh s osgeil na sìthe,” bha buaidh shònruichte aig “claidheamh an spioraid” na làimh. ’N a phearsa, bha Calum-Cille àrd duineil, agus eireachdail. Bha a ghuth binn, agus làidir; air chor is gu’n cluinteadh e aig astar màr. Bha e ro ghaolach air seinn nan Salm. Chluinnteadh gu poncail ann am Muile e, thairis air a’ chaolas; ’nuair a bhitheadh e ’seinn nan Salm ann an I. Tha e air innseadh le a luchd-eachdraidh, aig aon àm, air do shagartaibh Drùidheil* agus Rìgh nam Pecht, ionnsuidh a thoirt air casgadh a chur air aoradh Chaluim-Chille gu’n do sheinn e féin agus beagan do a bhràithribh an cuigeamh Salm thar dà fhichead, air dhòigh cho drùidhteach, ’s gu’n robh an Rìgh air a ghlusad gu domhain, *Druids. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 55] [Vol. 3. No. 7. p. 7] agus dhìon e Calum-Cille o na sagartaibh, ’s ghabh e ris gu caoimhneil. Chaidh Rìgh Brìd’ iompachadh fo éisdeachd Chaluim-Chille, agus bhaisteadh e leis. Mar thoradh air so, bha e ro bhàigheil ri Calum-Cille, agus ri ’bhràithribh, agus thug e cead agus cuideachadh dhoibh airson searmonachaidh air feadh a Rìoghachd, agus tha e coltach gu’n robh e féin a’ moladh a’ chreidimh Chrìosdail d’ a shluagh. Aig cùirt an Rìgh so, choinnich Calum-Cille ri prionnsa Eileanan Arcaibh (Orkneys), agus mhol e dha Cormac, fear d’ a fhòghlumaichibh, mar theachdair soisgeulach, a bheireadh e do na h-eileanaibh sin. Bha Calum-Cille agus a chompanaich ro shaoithreachail am measg bheanntan agus ghleanntan na Gàidhealtachd, a’ craobh sgaoileadh an t-soisgeil. Bha iad mar an ceudna gu tric a’ seòladh air feadh nan Eileanan Iar, a’ searmonachadh, agus a’ togail thighean-aoraidh anns gach eilean. Bha tlachd àraidh aige anns an deachaidh a shaothair gu mòr a bheannachadh. Tha cunntas air a thoirt gu’n robh e latha a’ searmonachadh ’s an eilean sin faisg air a’ chladach, ’s g’un do glaodh e mach, “Mo chlann, chì sibh an diugh ceann-feadhna aosda, a chum ré a bheatha gu cùramach an lagh nàdurra, a’ teachd gu bhi air a bhaisteach agus gu bàsachadh.” Air ball, bha bàta air a faicinn a’ tighinn a dh’ ionnsuidh a’ chladaich, agus sean duine lag ’n a toiseach,—ceann-cinne treubh anns an nàbachd. Ghiulain dithis d’ a chompanaich suas e, chum a’ cho-thionail, agus dh’ éisd e le dùrachd ri teagasg Chaluim-Chille, a bha a’ labhairt troimh eadar-theangair. ’N uair a chrìochnaicheadh an t-searmoin, dh’ iarr an seann duine baisteadh. Caidh a ghabhail a stigh do ’n eagails Chriosduidh tre òrdugh a bhaistidh aig an àm sin féin; agus air ball dh’ eug e! ’s chaidh ’adhlacadh anns an dearbh ionad ’s an robh an co-thional cruinn. Thachair so aig beul aibhne, a chaidh ainmeachadh uaithe sin, Tobar Artbranain.” Bha eaglais agus Tigh-Manach air an togail le Calum-Cille, no a luchd-leanmhuinn, ann an eilean a bha ann an Loch Chaluim-Chille, an sgìreachd Chillmhoire, ’s an Eilean Sgiathanach. Bha eaglais mar an ceudna air a h-ainmeachadh air anns an eilean a tha ann an abhuinn Shnìsort. B’ e Loch Chaluim-Chille an t-ainm a bha air Loch Phort-rìgh, o chionn cheudan bliadhna, agus tha eilean anns an loch sin, ris an abrar fathast “I-Chaluim Chille,” Is ainneamh sgìreachd an Iar na h-Alba, nach ’eil ainm Chaluim-Chille, no fear d’ a theachdairibh, air a chumail air chuimh ann an ainm eaglais no claidh. (Ri leantuinn.) Luchd an Iasaid. Tha sean-fhacal aig na Gàidheil, “Cha téid mi dh’ iarraidh iasad suachdain, us cha toir mi iasad seachad,” ach cha’n eil fhios aig moran cia mar a thainig e. Tha e air innse gu ro bean ann uair a bha tigh’nn beo, mar tha moran an diugh, air an iasad. Tha e coltach gu’n deach i chumail taighe gun moran àirneis a bhi aice, oir bha i àireamh bhliadhnaichean an eiseamail a bana-choimhearsnach air son suachdan (poit chreadha) anns am bruicheadh i a biadh o latha gu latha. Ach mu dheireadh, cheannaich i snachdan dhi fhéin, agus bha moit gu leor oirre ’n latha thug i dhachaidh e. Chuir i air teine e gus a dinneir a bhruich, agus gu de bh’ ann ach gu’n do bhuail an t-eagal i gu’m bitheadh a bana-choimhearsnaich ’ga iarraidh an iasad oirre mar bhiodh i féin orra-san. Ruith i thun an doruis, agus sheas i air cruach mòine no air rud-eigin agus dh’ eigh i àrd a claiginn air chor ’s gu’n cluinneadh a bana-choimhearsnaich uil i, “Cha téid mi dh’ iarraidh iasad suachdain ’s cha toir mi iasad suachdain seachad,” agus thill i stigh dearbh chinnteach ’na h-inntinn gu ’n d’ rinn i mar bu chòir dhi dheanamh. Ach air dhi an suachdan a ruigheachd cha robh aice ach an gad air an robh ’n t-iasg; bha e air a dhol na chlàran. Leis a chabhaig anns an robh i gu caismeachd a thoirt do na mnathan nach gabhadh ’s nach toireadh i iasad suachdain dhiochuimhnich i uisge chur ann, agus fhad ’sa bha ise ’gairm air a chruach-mhòine chuir teas an teine an suachdan na mhirean beaga, ’s cha robh air fhàgail aic’ ach am bùlas. Bha i nise na bu mhiosa dheth na bha i riamh. Bha i gun phoit mar bha i roimhe, agus beag-naire ’s ’g a robh i, cha robh ’bhathais aice na leigeadh leatha dhol a dh’ iarraidh iasaid air a bana-choimhearsnaich. Minards Liniment air son Loine. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 56] [Vol. 3. No. 7. p. 8] ORAN. LE AONGHAS MAC-GILLESHEATHANAICH. Tha ’n oidhche ’n nochd gle fhuar, ’S mi ri ullach mo cheile, ’Ga guilan air mo ghuallain, Cha tuairisgeul bhreug e. Cha ’n fhaod mi ’dhol an uaigneas A chluaineis gu h-Eibhinn, ’S cha ’n urrainn mi ’cur bhuam Ged nach d’ fhuair mi o’n chleir i. Gur mairg a fhuair r’a giulan Te ruisgte gun eudach, A chaidleas ann san smurach, ’S nach ionnlaid mo leine, ’S a chuireas feum air burn Gu bhi sguradh a creubhaig Le cudthrom cupal phunnd Eadar uileadh is bhreidean. ’N uair ’fhuair mi as an tur thu, ’S tu ur bharr na feille, Bu bheachd dhomh gu ’m bu chliu ’Bhi ga d’ ghiulan gu h-eutrom. ’N uair ’tharruing mi thu dluth dhomh, ’S mi ’n duil ri bhi reidh riut, Cha tuiginn guth dhe d’ chanain, An Gaidhlig no ’m Beurla. A’ cheud la ’chuir mi snaim ort, Dh’ fhag roinn mi de m’ leir sinn; Chaidh laigsinn air no chuianhne Is buidhread air m’ eisdeachd; Chaidh m’ aigneadh uil’ air aimhreit, ’S mo cheann troimh a’ cheile; Gur bochd dhomh bhi fo d’ chuing, ’S tu gun suim dhiom ’n am eigin. An gunna a’ freagairt. Ged tha thu ’n diu gun storas, Gun chota, gun leine, Gu’n d’ chuir mi roimhe ’n t-or Ann san do’m nach robh gleidhteach, Fichead gini comhlath ’N uair ’phos sinn le eibhneas; ’S gur cinnteach dhuit an corr Ma ’s a beo sinn le cheile. C’arson a bhiodh tu rium Ged nach cunntar leam spreidh dhuit; Aidh dollair dhuit g’ an cuineadh, ’S bidh flur air gach meis dhuit. Bidh muic-fheoil ’s mairt-fheoil ur Anns gach buth gus an deid thu; ’S leat t’ ar an cheithir punnd Is do lionn, ’s cha bhi eis ort. Tha cuid ag radh gun do rinneadh an t-oran so le Aonghas Mac-Gillesheathanich san Eilain Sgithanach. Tha cuid eile ag radh gun do rinneadh e le Granndach a mhuinntir Ghlinne Moireastainn. Cuireadh na Seathich ’s na Granndich a chuis ceart. Cha ruigdream seach dream dhiu a leas naira bhi orra as an oran. THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n tìm cho math leis ris an airgiod. Na Seangain agus na Cuileagan. Ann an oisinn gàraidh tuathanaich bha dùn sheangan. Air feadh an t-samhraidh bha iad ro-dhichiollach o mhoch gu h-anmoch, a’ tarruing bìdh a dh’ ionnsuidh an dùnain. Dlùth dhoibh bha leabadh phlùrain far am bu ghnàthach le aireamh mhòr de cuileagaibh bhi ri cluich agus ri mire, ’nuair a bhi iad ag itealaich o aon diubh gu h-aon eile. Bha mac aig an tuathanach a chleachd bhi toirt fa’ near giulan nan creutairean so. Bha iongantas air gu ’n robh dealachadh co mòr eadar an dòigh anns an robh na seangain agus na cuileagan a’ teachd beò; agns air dha bhi ro òg agus air bheag eòlais, labhair e aon là ri ’athair air an dòigh so, “Am feud creutair air bith bhi cho baoth ris na seanganaibh so? Rà an là tha iad ag oibreachadh gu goirt, an àite bhi ri cluich agus a’ gabhail suaimhneis dhoibh féin mar na cuileagan, a ta, a réir coslais, ni ’s sona na creutair air bith eile fo’n ghréin. Ann an ùine ghoirid an déigh dha so a labhairt, dh’ fhàs an aimsir fuar. Is gann a bha a’ ghrian a’ dealradh air feadh na là, agus bha reodha agus fuachd an cois na h-oidhche. Air do ’n òganach cheudna bhi ’g imeachd sa’ ghàradh cha ’n fhac e aon do na seaganaibh, ach chunnaic e na cuileagan ’nan luidhe an so agus an sud,—cuid diubh cheana marbh, agus cuid eile air ti bhi marbh. Air dha bhi teo-chridheadh ghabh e truas do na euileagaibh, agus dh’ fheoraich e ciod bu dol do na seanganaibh a chunnaic e san àite cheudna. Fhreagair ’athair e, “Tha na cuileagan marbh, do bhrìgh gu’n robh iad gun chùram, agus nach do thaisg iad lòn doibh féin fa chomhair an fhuachd; ach tha na seangain, a bha dichiollach air feadh an t-samhraidh, agus a thaisg suas lòn doibh féin fa chomhair airc, beò agus slàn, agus chi thu iad a rìs co luath ’sa thig aiteamh agus blàthas.” FHUAIR Iompaire Ruisia moran litrichean o chionn ghoirid a maoidheadh a bheatha thoirt dheth. Cha’n eil annas sam bith aige dhe’n t-seòrsa sin, ach tha iad air an turus so cho lionmhor ’s gu bheil iad a ’cur nàdar de dh’eagal air a chàirdean ’ga thaobh. Air son an t-Sàir fhéin mur biodhte toirt ionnsuidhean air a bheatha cha chreideadh e gu’m b’ ann an Ruisia bhiodh e idir, ’s dh’ fhàsadh e aonranach. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 57] [Vol. 3. No. 8. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n athris mi maireach.” Vol. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, OGUST 25, 1894 No. 8. As na h-Eileanan Coille. Fàilt’ air a Ghàidheal a rithist!—Bho ’n tha MAC-TALLA an nis air inntreachadh air an treas bhadhnal gu mireagach, sùnndach, agus siùbhlach, mar bu mhiann le ’chàirdean anns gach cearna dhe ’n t’saoghal, tha aobhar dòchais gu ’n gabh sinn uile ris gu suilbhearra, agus gu ’m bi sinn nis fearr dha na bha sinn riabh, air cha robh e fathasd ach ’ga altrum air broilleach na ban-athrum, ach a nis ’s coltach dha gum bi e ’g iarraidh teachd-an-tir nas’ treise ’s na’s brioghmhoire na m bainne-cich. Tha na h-uile dochas againnre gu’m bi gach mac agus nighean Gaidheil no anns am bheil boine do dh fhuil nan treun laoch bho ’n d thainig iad a mosgladh suas, agus a cur dollar an urra a dh’ionssaidh an fhir-dheasachaidh a chum agus gu’ m bi e comasach air beathachadh làidir fallain a toirt dha agus gu ’m fàs e uiread eile ’sa tha e air a bhliadhna air am beil e nis air tòiseachadh. Le beagan dichill, faodaidh iadsan aig a bheil gràdh do chainnt an aithrichean, agus dha bheil e dùthchasach a bhi ’ga labhairt, sin a dheanamh agus ma ni, chi iad ’an ceann na bliadhna gur e dollar a MHAC-TALLA dollar as fearr luach a pheighinn ris ’n do dhealaich iad riamh. Bha mi air chuairt ghoirid ann an Eilean Phictou air an t-samhradh so, agus feudaidh mi a radh le firinn, gun a h-aon a thoirt as no ann dhuibh, gur iad sluagh a’s caoimhneile agus a’s suairce ris ’n do thachair mi riabh; chuala mi de’n Ghàilig mhilis bhlasda a chleachd mi an tùs m’ òige na chuireas aiteas air mo chridhe fad greis mhaith, agus ciod e chuir mo ghàirdeachas am miad ach a bhi faicinn a MHAC-TALLA gu siubhlach ’na measg agus neòr-thaing mar an robh e faotinn di-beatha, agus boirionnich aosda, còire, cho math ri nigheanan òga agus daoin’ oga ’s sean ’ga leubhadh gu fileanta. Air dhòigh ’s gu robh mi gle riaraichte le mo chuairt do ’n Eilean. Tha mi a cur sgeulachd bheag d’ ur n-ionnsuidh anns an litir ns mu ni a thachair anns an dùthaich so o chionn fad, ’n uair bha daoine air ùr shuidheachadh innte. Faodaidh sibh a clò-bhualadh ’n uair a chi sibh freagarrach. Agus a nis co-dhùnaidh mi, ag altrum an dòchais gu ’m buin na Gàidheil gu math ris a MHAC-TALLA, gu ’n cuir iad an t-airgiod ’g ur n-ionnsuidh gun slaodaireachd sam bith. Cuimhnicheadh iad gur fearr ian ’san làimh na dha dhiag air iteig. Ged nach eil mo bhliadhna fhéin suas fhathast tha mi ’cur an dollair ’san litir so, ’s tha mi ’g earbsa gu ruig e sibh gu sàbhailte. Is mise ’ur caraid agus caraide na Gàilig a h-uile latha chi ’s nach fhaic. SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL. A Framboise. Bha againn mar thuirt am fear roimhe, “samhradh breac riabhach,” agus tha choltas air an àite gu’m bi bàrr math againn air an fhoghar. Tha ’m buntàta ’coimhead anabarrach math, agus saor o’n daolaig fhathast; b’ fhearr nach amaiseadh a bhiastag mhillteach ud air a cheann so dhe’n eilein am bliadhna. Ach ged tha ’n t-side fabharrach do’n tuathanach, cha ’n eil i mar sin do’n iasgair. ’S fada bho nach robh an t-iasgach cho fad air ais air na cladaichean so. Bha ’n t-iasg gann ’s bha ’n t-side cho stoirmeil ’s nach faigheadh iad a mach do’n chuan ach ainneamh. Agus a ris cha d’fhuaras cead mar a b’ àbhaist a bhi glacadh a ghiomaich ach gus an còigeamh latha deug de mhios deireannach an t-samhraidh, a dh’ aindeoin gach iarratus agus tagradh a chuireadh fa chomhair an luchd-riaghlaidh. Chaidh Sacramaid na Suipeir a fhrithealadh ’san àite so latha na Sàbaid s’a chaidh. Bàa ’n aimsir fàbharrach agus chruinnich moran a bharrachd air na chunnaic sinn riamh cruinn aig a leithid a dh’ àm. Bha moran ann á Grand River, á Loch Lomond, á St. Peter’s, á Gabarus agus á Mira. Bha sinn ro thoilichte na h-uidhir fhaicsnn, agus gu h-àraidh air son cho modhail, cho òrdail ’s cho stuama sa bha iad. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Mac Coinnich Ghrand River a Bheurla ’san eaglais Di-sathairne, agus Mr. Laing, á Halifax, air an t-Sàbaid. Shearmonaich Mr. Calder à Mira, aig a cheart àm, am muigh anns a’ Ghàilig. Di-luain bha Mr. Laing a rithist ’san eaglais a’n ceann na Beurla agus Mr. Mac Coinnich am muigh ’an ceann na seirbhis Ghàilig. Tha sinn an dòchas gu’m bi iad uile air an duaiseachadh ’nan saothair. Tha sinn fior thoilichte ann a bhi ’g innse gu bheil moran de’n òigrìdh againn ’nar measg dhachaidh as na Stàitean. Cha ’n urrainn duinn a radh gu bheil iad uile cho dreachmhor sa bha iad mu’n d’ fhalbh iad, ach neòr-thaing deagh chòmhdach, agus, tha sinn an dòchas, gliog math ’nan sporain. Tha sud glé mhath ’na àite fhéin, gidheadh, tha beagan agam ’nan aghaidh agus ’se so e, an dimeas a tha cuid dhiubh a’ deanamh air a Ghàilig. Iad sin a labhradh a Ghàilig gu math mu’n d’ fhalbh iad, ’s ann tha iad a nise, an deigh dhaibh a bhi beagan bhliadhnaichean air falbh, ma’s fior air a diochuimhneachadh. ’N uair a chòmhlaicheas mi iad le cainnt bhinn bhlasda mo mhàthar nach ann a their iad rium “No Gaelic;” ach cumaidh mise ’Ghàilig riutha, ’s ma thuigeas iad mi, ’s math, ’s mur tuig cha’n eil comas air. CEANN LIATH. 14, 8, ’94. Ann an Constantinople, ceann-bhaile nan Turcach, tha tri latha as na h-uile seachdain air an cumail mar Shàbaid. Tha na Mahometanaich a’ cumail Di-haoine, na h-Iùdhaich a’ cumail Di-sathairne, agus na Criosduidhean a’ cumail Di-dòmhnaich. Tha da fhichead mile pears’ a bàsachadh ann am Breatuinn na h-uile bliadhna leis a mhisg; agus da fhichead mil’ eile le gort, sgiorraidhean, agus tinneasan a tha air an aobharrachadh leis an air òl, chor ’s na’n cuirte stad air reic na deoch làidir gu’m biodh am beatha air a gleidheadh dos cheithir fichead mile, eadar bheag ur mhòr, na h-uile bliadhna. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. [TD 58] [Vol. 3. No. 8. p. 2] UILLEAM UALLAS. LE AONGHAS MAC COINNICH. (Air a leantuinn.) CHOIDIL mòran diubh ’an ceann eile na h-aitreibh ’s an robh cuirp na muinntir a mhort iad na ’n sìneadh. ’S bha mòran diubh air bhileitibh ’an caochladh thighibh feadh bail’ Ara. ’S e àireamh ro bheag dhiubh a chaidh do ’n Chaisteal an oidhch’ ud. Bha na tighean ’an ceann a deas Alba ’s na linnibh ud air an togail le fiodh, mar tha tighinn cinn a tuath America an diugh. Thug Uallas òrdugh do ’n “mhnaoi fhirinnich” ud comhara so-fhaicsinneach a chur le cailc air na tighibh ’s an robh na Sasunnaich a’ cur seachad na h-oidhche. Thàinig e féin air mharbhan a’ mheadhon oidhche le tri cheud fear, ’s le mòran de bhuill chainbe, ’s cheangail iad co diongalta o’n taobh a muigh na h-uile tigh air an d’fhuair ian an “comharra” ’s nach gabhadh iad fosgladh o’n taobh a stigh. Chruinnich e móran connlaich ’us gheugan leis an do chuir e na h-aitreabhan fiodh’ ud ri theine. Bha mòran air an losgadh gun dùsgadh idir á codal. A’ chuid a bha dùsgadh ’s a briseadh a mach troimh ’n cheò ’s an lasair, bha na h-Albannaich ga ’n coinneachadh ’s ga ’m pilleadh air ais do ’n losgadh, no ga ’n reubadh as a chéile le ’n cuid armachd. Cha deachaidh Sasunnach beò as an oidhch’ ud a bha mach air geat’ a’ chaisteil. ’N uair a dh’ fhàg buidheann Uallas an t-àite ’s a’ mhaduinn, cha robh ri fhaicinn ach làthraichean nan aitreabhan a bha na ’n connanh a’ losgadh cuirp na muinntir a chaidh a mharbhadh. Mar so chriochnaich “Parlamaid Dhubh Ara.” Ach a nis gu obair a’ ghlanaidh air an dùthaich o na mortairibh Sasunnach, le spionnadh ’us rùn ath-nuadhaichte. B’ e ’n rian a ghabh Uallas ’n a cheud éiridh, bhi ’cumail tearc de luchd-leanmhuinn còmhladh ris féin, leis an tugadh e garg-ionnsuidh air buidheann bhig sam bith de ’n arm Shasunnach a gheibheadh e air leth o chàch, ’s leis an glacadh e stòr bidh no armachd a bhiodh a’ dol gu aon sam bith de na caistealan, Leis an rian so bha e deanamh mòran call’ air an nàmhaid, aig an àm cheudna an robh e ’toirt a’ cheart aire gu ’n seachnadh e aghaidh a thoirt do bhuidheann lionmhor sam bith dhiubh air nach robh e cinnteach gu ’m b’ urrainn e buaidh fhaotainn. Bha aig an àm cheudna mòran de lùchd-fearainn ’s do àrd-mhaithean na rioghachd ag oibreachadh fo òrdugh-san agus far am b’ urrainn iad, a’ creachanh ’s a’ marbhadh nan Sasunnach, ’s a’ cur na h-uile moill’ a b’ urrainn iad orra. Cha robh fear no bean ’s an tir leis nach feudadh Uallas teachdaireachd a chur. ’S nuair a chitheadh e àm fàbharrach ghrad thionaileadh e àireamh de na beag oifigich ud as gach cearna timchioll air, ’s nuair a chriochnaicheadh iad obair an là, le gearradh as buidheann Shasunnach a bh’ air thuras o aon àite gu àite eile, ghrad sgaoileadh e ris iad, gach fear da chearna féin. Leis gach lotadh ’us bruthadh a bha ann, bh’ na naimhdean a dol’ an teircead. Ach an déigh Saibhlean Ara, ’s an dioghaltais a lean, dhùisg spiorad an t-sluagh suas, air feadh na dùthcha gu h-iomlan, ’s fhuair Uallas uiread de luchd-leanmhuìnn ’s nach gabhadh na Sasunnnaich orra coinneamh a’ thoirt da ’s an àm anns an achdadh fhosgailt, ach dhruid ’s iad iad féin suas ’s na daingnichibh gus an tigeadh tuilleadh cuideachaidh á Sasunn. Ach thòisich na h-Albannaich air glacadh nan daingnichean féin, ’s air marbhadh na dream a bha ’cumail freiceadan annta. Bha iad a’ spealgadh as a chéile le ’n cuid tuaghaibh geatachan cuid de na caistealan, ’s gun na saighdearan comasach air an cur air falbh, ’s bha iad a’ glacadh cuid eile dhiubh le seòltachd. Thraill Uallas troimh thaobh ’s ear Alb’ air ceann armailt lionmhoir, agus air a cur a deadh òrdugh, ’s cha robh caisteal, eadar uisge Thath’ agus Crombagh, nach do thuit roimh’ ’am beagan sheachduinibh, ach caisteal Dhundeagh a mhàin. Phill Uallais gu deas a chur séis ris an daingneach so an cud mhìos an fhoghair, 1297, direach an ceann bliadhna an deigh do Edeard dol air ais do Shasunn, ’an dùil gu ’n robh Alba gu do-sgaraicht’ aig air a h-aonadh ri ’rioghachd féin ’S ann a’ teannachadh caisteal Dhundeagh a bha Uallas leis an arm Albannach ’n uair a chuireadh teachdairean thuige gu ’n robh Iarla Shurreigh a’ tighinn ’n a aghaidh le feachd Sasunnach anns an robh leth-cheud mìle fear, ’s gu ’n robh e cur roimhe thighinn thairis air amhainn na Friù aig drochaid Shruileidh. Dh’ fhàg Uallas Dundeagh air ball, ’s rinn e air son a bhi aig an drochaid, na ’m ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. G. H. GUZZWELL, SIDNI, C. B. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr. Stoc math de dh’ accordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil. Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan. [TD 59] [Vol. 3. No. 8. p. 3] bu chomasach, mu ’n ruigeadh na Sasunnaich i. Mhàrsail e ’n t-arm co cabhagach ’s a b’ urrainn iad, ’s ràinig e mullach cnnic a tha da mhìle ’s ear air Sruileadh, mu ’n tàinig Sasunnach idir air fàire. Ach cha b’ fhada gus am facas am brataichean a’ snàmh ’s a’ ghaoith, ’us tromlach an airm a’ dlùthachadh ris an drochaid. Bha Iarla Shurreigh glé shean agus an droch slàinte. B’ ann aig Uisdean Cresingam Fear-ionmhas Alb’, a bha comannd’ an airm da rìreadh. Bu shagart Cresingam, duine dàna, fuilteach, leis am bu roghnuiche gu mòr clogaid an t-saighdear na còt’ an t-sagairt. Rinn cuid de na tighearnan Albannach cabhag gu iad féin ùmhlachadh do righ Shasuinn ’n uair a chunnaic iad an armailt so a’ tighinn air a h-aghart, air eagal gu ’n cailleadh iad an cuid fearainn. Cha robh iad a’ creidsinn gu ’m b’ urrainn Uallas seasamh ris an fheachd ud a bha trì uairean ni bu lionmhoire na ’n armailt a bh’ aige féin, Ach air a shon so uile sheas Uallas agus a luchd-leanmhuinn gu neo-sgàthach, a’ gabhail alla ris an armailt Shasunnaich a’ tighinn air aghart. Dhlù lean Sìr Iain Greumach ri Uallas, ’s bha e ’na aon de ’chàirdean bu dealaidh. Lean mar an ceudna Sir Uilleam Dùghlas, uachdran Shrath Dhùghlais, agus ceann-tighe tha gu tric air ainmeachadh ’an eachdraidh Alba, ris. Cha robh dòigh air faotainn seachad air an amhainn, ach air drochaid fhada, chumhaing, fhiodh’ a bha ni b fhaide shuas air an amhainn na drochaid an là ’n diugh. Champaich Uallas air tulaichibh àrd’ air taobh tuath na h-aimhne, ’s dhlùthaich an t-arm Sasunnach ris a’ bhruaich dheis. An déigh seasamh greis fa chomhair a chéile, chuir Uareinn, an t’ Iarla Sasunnach, dithis shagartan a null far an robh Uallas a thairgseadh maitheanais dha féin ’s d’ a luchd-leanmhuinn na ’n leigeadh iad sios an armachd. B’ e freagradh Uallais iad a dhol air ais gu Uareinn ’us innseadh dha nach b’ ann a dheanamh chùmhnantan sìth a thàinig iadsan an sud, ach a thoirt blàir do na Sasunnaich agus saors’ aiseag do ’n dùthaich. “Thigeadh na Sasunnaich air aghart, tha sinn a toirt dùbhlain doibh gu ’m feusagaibh.” ’N uair a chual na Sasunnaich am freagradh uaibhreach so, bha iad ro dheònach air a dhol air aghart thun a’ chòmhraig. Ach bha cuid de na h-oifigearan bu tùreil’ a’ cur impidh orra fuireach air ais a thaobh meud a’ chunnart a bh’ anns an drochaid chumhaing a ghabhail anns nach robh ach rùm dithis air leud, ’s an nàmhaid aig a ceann. Ach cha ghabhadh Cresingam diùltadh. Bha e air son a dhol air aghart air na h-uile cor, ’s crioch a chur air a’ chogadh leis an aon bhlàr, ’s dh’fheumadh e thoil féin fhaotainn deanta. Fhuair an armailt òrdugh dol air aghart. Ghabh Sìr Marmaduke Teng air thoiseach air ceann nan réisimeid each, a bha còmhdaichte le armachd thruim stàilinn, araon each ’us marcach. Lean Cresingam an déigh sin leis an roinn de ’n arm a bho fo’ chomannda féin. Sheas na h-Albannaich air an taobh tuath a’ gabhail alla riu a’ dol thairis air an drochaid, Fhuair an réisimeid each an òrdugh cath’ air an taobh tuath; ach dh’ òrduich Uallas buidheann threun luchd-sleagha dhol timchioll sios air taobh na h-aimhne, ’s ’nuair a bha mu leth an airm air tighinn a nall sméid e orra iad a ghabhail sealbh air an drochaid ’s na bha thall a chumail thall, ’s na bha bhos a chumail a bhos. “Nis” ars’ Uallas ri chuid saighdearanibh, “air ’ur bonnaibh ’s nam badaibh.” Bhuail na h-Albannaich le ’n uile neart air na marcaichibh a bha dìreadh leathad an tulaich, ’s ruaig iad sios iad air muin nan coisichean a bh’ air ùr thighinn a nall. Chaidh na coisichean ’s na marcaichean troimh a chéile, ’s an àit’ a bhi cuideachadh, ’s ann a bha iad a’ cur moill’ air a chéile, ’s na h-Albannaich ga ’n sgathadh sios mar am feur air gach taobh. An còrr nach deachaidh a mharbhadh dhiubh ’s an fhaing sin, leum iad a mach air an amhainn ’an dùil gun tearnadh siad iad féin air an t-snàmh. Ach mar bha iad co trom le ’n cuid armachd, bha iad a’ dol fodh’ air ball, no ’n sruth ga ’n giùlan sios ni b’ fhaide far nach robh dol as o bhàthadh. De ’n àireamh mhòr sluaigh a thàinig thar an drochaid an là ud cha d’ fhuair as beò ach triùir. B’ e Sir Marmaduke Teng an treas fear dhiubh sin. Bha Cresingam a measg a’ cheud fheadhainn a chaidh a mharbhadh, ’s tha cuid ag ràdh gu ’n do rùisg na saighdearan e, ’s gu ’n d’ fhionn iad an craicionn deth leis an fhuath a bh’ aca dha, air son e bhi fionnadh an t-sluaigh leis a’ chis thruim a bha e ’leagadh orra. ’N uair a chunnaic Iarla Shurreigh ’s na h-oifigearan eile bha còmhladh ris air taobh tearuinte na h-aimhne, mar a bha ’n la ’dol ’s mar a chaidh e, ’s nach b’ urrainn iadsan a leasachadh, cha do mheas iad taobh tearuinte na h-aimane tearuinte ni b’ fhaide. Thug iad na buinn di gu deas. Cha do lasaich Iarla Shurreigh eang gus an do ràinig e Beruic aig a’ chrìch Shasunnaich. Sgaoil a chuid feachd feadh na dùthch’ anns an ruaig, ’s thilg iad uath’ an cuid armachd ’us bhrataichean gus am faigheadh iad an cosan as o na h-Albannaich ghuineach a lean gu dian air an tòir. Cha b’ e mhàin gu’n do theich iarmad sluaigh Shurreigh a mach as an rioghachd an déigh àr drochaid Shruileidh, ach co luath ’s a sgaoil iomradh gaisge nan Albannach an là ud air feadh na tìre, thréig na saighdearan Sasunnach gu h-iomlan an tearc de chaistealan a bha fathast ’n an làmhaibh ’an ceann a deas Alba, ’s teich iad a mach as an rioghachd. Cha d’ fhoghainn le Uallas an t-saorsa so oibreachadh d’ a dhùthaich féin, ach bhris e steach air taobh tuath Shasuinn le fichead mìle fear, ’s rinn e mòran call’ air feadh na duthcha sin mar dhìoghaltas air son an fhòirneirt a bha na Sasunnaich a’ deanamh air Alba. ’N uair a phill iad air ais o ’n sgrìob so ghairm an t-arm agus an sluagh Uallas gu bhi ’n a Ard-riaghlair air Alba. Theirteadh ris, an déigh so, Sìr Uilleam Uallas, Riaghladair Alba. (Ri leantuinn.) TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugsinn a feorach mam prisean. [TD 60] [Vol. 3. No. 8. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton SIDNI, OGUST, 25. 1894. CHA’N eil atharrachadh mor sam bith air cùisean anns an Aird an Ear seach mar bha iad air an t-seachdain s’a chaidh. Cha chualas mu bhlàr a bhi eadar China us Japan o chionn beagan lathaichean, ach tha iad ag ullachadh, agus faodaidh sùil a bhi againn ri fios fhaotainn latha sam bith gu’n do choinnich an armailtean ’s gu’n do chuir iad blàr. Ma leigeir leotha fhéin, bidh an cogadh air a bheil iad an dràsd air tòiseachadh na chogadh ruighinn, fuilteach, ach ’se ’s dòcha gu’n téid rioghachdan na Roinn-Eorpa ’san eadraiginn mu’n dean iad milleadh mor air a chéile, agus gum cuir iad stad orra. MAR nach fòghnadh aon aimhreit gu bhi ’cur dragh air an t-saoghal, b’ fheudar connsachadh éiridh eadar Breatuinn ’s an Fhraing mu Africa. Fhuair an Fhraing leud a coise de dh’ fhearann anns an dùthaich fharsuinn sin o chionn àireamh bhliadhnaichean, agus riamh uaithe sin tha i ’cur ris, gus a nis am beil stall mhòr aice. Tha Breatunn ris an obair cheudna mar tha i anns gach cearn’ eile dhe’n t-saoghal agus tha nise ’n da fhearann air fàs cho mor ’s gu bheil iad a bualadh ’na chéile. An stiall mu dheireadh a chuir an Fhraing ri ’cuid fhéin, rinn i e cho falchaidh ’e nach cuala Breatunn uiread us fathunn uime gus an robh ’n obair deante. Chuir so corruich air Breatuinn, ’s tha i ’cur gu math searbh an aghaidh na Frainge air son a bhi cho mealltach. Cha ’n eil e air innse fhathast ciod a tha dol air adhart eatorra, ach tha gach aon aig a bheil fhios ag aideachadh gu faod cùisean a bhi gle dhoirbh an ceartachadh, agus nach gabhadh e moran gus an cur a chogadh. Chaidh tuathanach a chur ’an greim faisg air Wìndsor, Ontario, o chionn ghoirid air son na sòilean a chur as na mucan aige fhéin air son an cumail o dhol air feadh a chuid barra. Anns a chogadh a bh’aig Breatunn anns na h-Innsean ’sa bhliadhna 1857, a cur sios na ceannairc a bhrist a mach am measg nàisinnich na dùthcha, bha aon réiseamaid aca anns an robh ceud gu leth càmhal, agus Gàidheil Albannach ’g am marcach. Tha’n càmhal na bheathach anabarrach treum ri aghaidh blàir; seasaidh e ri teine a chuireadh each á cochull a chridhe. BO CHOSGAIL.—Tha duine ann an Chicago aig a bheil bó a tha ’cosg naoidh mile deug dollair ’sa bhliadhna dha. Tha tigh mor aige anns a chuid a’s uaisle dhe’n bhaile, agus ri taobh an taighe tha pàirce bheag bhòìdheach anns am faodar a bhò fhaicinn a’ criomadh na h-uile latha. Thainig duine beairteach an rathad o chionn ghoirid agus b’ àill leis gu’n creiceadh e phairce ris. ’N uair a thuig e nach robh e deònach sin a dheanamh, smaoinich e gu’n toireadh e bhar a chasan e le pris mhòr a thairgse, agus thuirt e ris gu’n tugadh e dha tri cheud mile dollair ($300,000) air son na pàirce. Cha d’ fhuair e freagradh sam bith ach, ’nach gabhadh e pris sam bith oirre, a chionn nach robh àit eil’ aig anns an cumadh e bhó’. Na ’n robh e air an tairgse ghabhail, dh’ fhaodadh e ’n t-airgiod a chur ’na bhanca, agus thàirnneadh e naoidh mile deug dollair réibh na h-uile bliadhna. Iadsan a Phaigh. Domhnull Johnstone, Springhill, N. S. A. J. MacFhearghais, do. Iain Domhnullach, Antigonish, Alasdair D. Friseal, Lost River, Que, D. Mac Cuaig, Ottawa, Ont. M. D. Domhnullach, Narrows Creek, P. E I. Callum Mac Gill-fhaollain, do. Domhnull Mac Gill-fhaollain, do. Dr. G. Gillios, Dundas. Domhnull Peutan, Cardgan Bridge. Donnacha Mac Coinnich, Mitchell River. Michael Mac Fhionghain. Lakevale, C. B. Raonaid Nic Gilleain, Mira. Eoghan Mac Gille-mhoire, (50cts.) Ruairi Mac Coinnich, Sidni, (50cts.) Padruig Dùghallach, Loch Side, (55cts.) Alasdair Steele, Caledonia Mines. Alasdair D. Mac Suain, Glascho, C. B. Aonghas Mac Gill-fhaollain, Stewartdale. Aonghas Buchanan, Marsh Lake. F. D. G. Mac Fhionghain, Acarsaid Chloinn Fhionghain. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 61] [Vol. 3. No. 8. p. 5] NAIDHEACHDAN THA gach cùnntas a fhuair sinn as a Ghàidhealtachd ag innse gu bheil am bàrr na’s gealltanaiche air an fhoghar so na bha e o chionn iomadh bliadhna. THA féill mhor air na dearcan gorma. Chuireadh còrr us sia mile deug bocsa dhiubh air falbh à Yarmouth, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha tuilleadh ri dhol ’nan deigh an ceann beagan lathaichean. CHAIDH da stòr ’nan teine ann an Glace Bay oiche Luain, aon le Iain I. Mac Aonghais, Port Morien, agus aon le Alasdair Mac Phearsain anns an robh D. I. Mac Leòid ri ceannachd. Cha d’ fhuaireadh a bheag sam bith dhe na bh’ annta a shàbhaladh. BHA cruinneachdadh mor aig na tuathanaich ann an Truro Di-màirt. Bha dòmhlachadh mor sluaigh cruinn agus chuir iad an latha seachd gu cridheil. Bha ’n t-Ard Riaghladair ann air an ceann ’s thug e òraid no dha dhaibh a thaitinn ris na h-uile. CHAIDH grunnan de mhaoir a thigh ann a Halifax an la roimhe, g’ a rannsachadh air son deoch làidir. ’N uair bha iad a’ rùrach anns na cùiltean, chaidh làn-dùirn de phiobar dearg a chur air an stóbh, agus dh’ fhàg iad an tigh le cabhaig ’s na deòir ’nan sùilean. CHA’N eile gnothuichean ach fada gu leòr air ais anns na Stàitenn fhathast, ach tha iad a dol am feabhas. Tha dòchas math aig muinntir nan Stàitean gu ’m bi obair na’s pailte agus malairt na ’s fhearr air a gheamhradh so na bha iad re na bliadhna chaidh seachad. THUIT fras mhòr uisge ann am Boston feasgar Di-luain. Cha ’n eil cunntas aig cléireach na sìde air fras cho trom a thuiteam anns a’ bhaile riamh roimhe. Bha tuil uisge air na sràidean, agus ruith e stigh do na seallerean. Chaill na ceannaichean fiach deich mile dollair de bhathar. SPRINGHILL.—Tha litir a fhuair sinn á Springhill ag innse nach eil an obair ach car fad air ais anns an mèinnean-guail o’n thainig an samhradh. Tha iad ag obair na h-uile latha ach cha ’n eil an gual air a thoirt air falbh o na gearradairean air dhòigh ’s gu ’n téid aca air tuarasdal ceart a dheanamh. CHAIDH duine òg Uilleam Mac Isaic a leònadh aig a Mhèinn a Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fheuch e ri leum air carbad-guail ’s e falbh, agus thuit e ’measg nan cuidhlichean. A bharrachd air a bhi air a bhruthadh gu dona, bha a shròn air a bristeadh agus an òrdag air cur bhar té dhe ’chasan. MADUINN Di-luain, chuireadh stad air àireamh de mhuillein cotain ann am New Bedford, Mass., ’s tha sùil ri tuilleadh a sgur an ceann latha no dha. Bha so air aobhairachadh, mar a’s àbhaist, le eu-còrdadh a thaobh an tuarasdail. Bha aona mile deug de luchd oibreach ’nan tàmh, ach uaithe sin chaidh beagan dhiubh air ais gu’n obair. THA flùr a reic ’sa bhaile aig $4,00; min bhuidhe aig $3.00; ìm, 17c gu 18c; uidhean, 10c; seann bhuntàta, 50c; buntàt’ ùr, 80c am buiseal, tuianeap ùr, 50c; trosg bog, 2c am pùnnd; trosg tioram, 5c; feòl uan, 8c. feòil mairt, 10c. gu 14c.; feòil muice, 10c.; ti, 20c. gu 30c.; siùcar; 4c. gu 6c.; suidheagan, 8c. gu 10c. an càrt; dearcan-gorma, 8c; càise dùthcha, 8c; càise factoridh, 13c. gu 14c. am punnd. CHAIDH soitheach a bhatar a’ togail ann an Glascho air son a bhi ’na soitheach cogaidh aig China, a ghlacadh toiseach na seachdain so le òrdugh o’n Riaghladh Bhreatunnach. Chaidh té eile ghlacadh ’an Newcastle Di-sathairne. Fhad ’sa bhios Breatunn gun bhi gabhail taobh seach taobh anns a chogadh, cha ’n fhuiling an lagh soitheach a thogail ’san rioghachd air son a dhol dh’ an chogadh air taobh seach taobh. BHA stoirm mhor air a cheann so dhe’n eilein feasgar Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha uisge anabarrach trom againn ’an Sidni, ach cha robh na tàirnneanaich ’s na dealanaich cho trom ’s bha iad a mach rathad na’m mèinnein. Chaidh tigh le fear Seumas Farrell, eadar Glace Bay us Bridgeport a bhualadh leis an dealanach, ach gu fortanach cha do ghoirticheadh duine. Bhuail e cuideachd ann an sabhal le Lachuinn Mac Gilleain, air Rathad Chow Bay, agus chaidh e ’na theine. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment THUG duine dubh ann an Kentucky droch ionnsuidh air duine geal an la roimhe, agus thug e uaithe a chuid airgid. Chruinnich na maoir air ball ’s chuir iad as a dheigh; rug iad air ’s chuir iad dh’an phriosan e. Air an ath oidhche bhrist buidheann de dhaoine geala a stigh do’n phriosan, thug iad am mach an duine dubh ’s chroch iad e ri drochaid. Tha ’n obair ud glé chumanta anns na Stàitean, ’s na bliadhnaichean so, cho chumanta ’s nach cuir sgeula crochaidh duine ioghnadh no mulad sam bith air moran de an t-slugh, gu h-àraidh ma sa duine dubh a bhios air a chur a dhith, rud is tric is e. Minards Liniment air son Loine. OIDHCHE Haoine air an t-seachdain s’a chaidh theich gille, ’s nighean le Dr. Weeks, Rose Blanche, Newfoundland, o’n tigh le bàta beag seòlaidh agus chuir iad an aghaidh air Ceap Breatunn. Bha iad air chall uaithe sin gu oidhche Mhairt, ’s bha dha no tri de bhàtaichean smùide, air a chuan ’g an iarraidh, gus an d’ thugadh géill dhiubh. Mu mheadhon oidhche Di-ciaduinn thainig soitheach a stigh gu Sidni Tuath agus iad aic’ air bòrd beò slan, ’s i an déigh an togail a stigh air a chuan mhòr. ’S e thug orra teicheadh o’n tigh, gu robh am muime dona dhaibh, agus nach robh an athair dad na b’ fhearr. Cha’n eil an gille ach seachd bliadhn’ deug a dh’ aois agus an nighean còig bliadhn’ deug. Tha iad an drásd a fuireach comhla ri bràthair an athar ann an Sidni. CHAOCHAIL an t-Urr. Callum Ros ann an Charlottetown air an t-seachdain s’a chaidh. s’ e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Rugadh e air a’ Ghàidhealtachd ’sa bhliadhna 1813, agus shaothraich e àireamh bhliadhnaichean ann an Ceap Breatiunn. Bha e na shàr shearmonaiche gu h-àraid anns a Ghàilig. Bhuineadh e do’n eaglais Bhaistich. ’S e bu shine de ministeirean Eilean a’ Phrionnsa air fad. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 62] [Vol. 3. No. 8. p. 6] Beath-Eachdraidh Challuim Chille. CAIBIDEIL III. Bha Calum-Cille mar an ceudna saoithreachail aig a’ bhaile ann an I. Bhitheadh e a’ teagasg na h-òige, ’s ag uidheamachadh nam fòghlumach air son dreuchd na ministreileachd. Bha e a’ caitheamh mòran ùine ann an ùrnuigh, leughadh, agus sgrìobhadh. Bha e a’ cur theachdairean soisgeulach, cha ’n e ’mhàin air feadh na h-Alba, ach mar an ceudna do Shasuinn, agus do cheàrnaibh eile, do robh eilean I-Chaluim-Chille ’n a àrd lòchran. “B’ fhionnar an tobar do’n uisge bheò a dh’ fhosgladh ’s an eilean uaigneach sin, agus b’ ìocshlaint do dh’ iomadh dùthaich thioraim, thartmhoir, na sruthana fallain a bha ’sgaoileadh naithe gu fada, farsuing.” Air latha na Sàbaid, an naoitheamh là de mhios mheadhonaich an t-samhruidh, ’s a’ bhliadhna 597, anns an t-seachd bliadhna deug thar thrì fichead d’ a aois, chrìochnaich Calum-Cille a thuras, agus chaidh a ghairm leis an Ard-Mhaighstir o shaothairbh lìon-mhor, chum suaimhneis siorruidh. An latha roimh ’n oidhche a chaochail e, dhìrich e an cnoc os ceann a’ Chlachain, ann an I, ghabh e a chead do ’n eilean ’s do na tighibh-aoraidh, agus dh’ fhàg e a bheannachd aig a bhràithribh. Air dha teachd a nuas, lean e air ath-sgrìobhadh Leabhair nan Salm, gus ’n do ràinig e meadhon an treas salm deug thar an fhichead, ’n uair a stad e; agus dh’ ainmich e Baithein mar an neach a ghabhadh ’àite. Chuartaich e an sin an t-aoradh gnàthaichte anns an eaglais, ’s thug e na h-aitheantan mu dheireadh do ’bhràithribh, a’ guidheadh gu ’m bitheadh sìth agus gràdh ghnàth a’ riaghladh ’n am measg. Aig meadhon-oidhche chaidh e a ris do ’n eaglais a dh’ ùrnuigh, ’s fhuaradh an sin e ’n a shìneadh gun lùs, le Diarmad. Chruinnich a’ bhuidheann uile mu chuairt da, a’ gul airson esan a bha ’n a athair dhoibh a bhi nis a’ bàsachadh. Dh’ fhosgail e a shùilean ’s dh’ amhairc e orra le gràdh agus aoibhneas, an sealladh mu dheireadh. An sin dhùin e air an t-saoghal so iad a chum am fosglaidh ann an glòir. “Agus chuala mi guth o néamh, aig ràdh rium, Sgrìobh. Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs ’s an Tighearn, á so a mach Seadh, tha an Spiorad aig ràdh, chum gu faigh iad fios o’n saothair; agus leanaidh an oibre iad.” (Taisb. XIV. 13.) “Agus dealraidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan, fad saoghal nan saoghal.” (Dan. XII. 3.) “Aig Dia ’s ro-phrìseil bàs a naomh.” (Salm CXVI. 15.) “Ach co an cridh’ a bhreithnich e, No ’n t-sùil a chunnaic riamh, Mòr mheud is gnè an ulluchaidh, D’ a phobull féin rinn Dia! Ach ’s sona dhoibh ’s is beannaicht’ iad ’Fhuair aithne ghlan air Criosd: Oir meallaidh iad, ’n a chomunn san, An sonas ud, gu sior!” Chaidh an obair a thòisich Calum-Cille a ghiùlan air a h-adhairt leis na teachdairibh a dh’ fhàg e ’na dhéigh gu soirbheasach; agus bha I-Chaluim-Chille fad linntean an déigh an ama sin ’n a chathair dhiadhachd, eòlais, sgus fòghluim. Fad cheudan bliadhna an déigh a bhais, bha ministeirean I-Chaluim-Chille a’ dol fo ’n ainm Cuildich, a thugadh dhoibh do bhrìgh ’s gu ’n robh an còmhnuidhean, mar bu trice, ann an àitibh uaigneach. Bha daoine ionnsaichte agus ainmeil a ghnàth a’ tàmh ann an I Chaluim-Chille; agus bha cruinneachadh mòr do leabhraichibh luachmhor air an gleidheadh ann an Tigh-nam-Mànach, no Chathair-Chùildich, an sin. Bha cuid de rìghribh na h-Alba, Eirinn, agus Lochlainn, agus mòran de chinn-feadhna Ghàidhealach air an adhlacadh ’s an Eilean iomraiteach so. Tha e air aithris gu ’n dubhairt Calum-Cille, ùine bheag mu ’n do chaochail e,— “I mo chridhe, I mo ghràidh, ’An àit’ guth Manaich bi’dh geum bà; Ach mu ’n tig an saoghal gu crìch Bi ’dh I mar a bha.” Thainig a’ cheud chuid de ’n fhàigheadaiaerchd so gu teachd; chaidh Cathair nan Cùildeach a chreachadh, ’s thuit aineolas agus dorchadas air an Eilein sin, a bha ’n a lòchran a measg nan eileanan. Cha ’n ’eil e mi-choltach nach ’eil coimhlionadh na cuid mu dheireadh de ’n fhàidheadaireachd air tòiseachadh. Tha I-Chaluim-Chille gach bliadhna a nis air a fiosrachadh le mìltibh as gach dùthaich, a tha a’ taghall a choimhead air seann láraichibh a mòrachd. Maith a dh’fheudtadh nach deachaidh na smaointean a dhùisgear anns an inntinn ann a bhi a’ gluasad mu chuairt air ballachaibh brist eaglaisean I-Chaluim-Chille, agus air an leacaibh-lighe aosmhor fo ’m bheil daoine a bha aon uair cumhachdach ’n an luidhe, a chur an cainnt ni MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 63] [Vol. 3. No. 8. p. 7] s eireachdaile, na mar a labhair an t-Olla Johnson, agus a tha air an eadar-theangachadh mar a leanas, ann an Caraid nan Gaidheal:—“Bha sin a nis ’n ar seasamh air an Eilean ainmeil sin, a b’ àrd lòchran fad linntinn, do Ghàidhealtachd na-Alba—as an d’ fhuair Cinnich fhiadhaich agus ceathairne bhorba sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dh’ fheuchtadh ris, an inntinn a thogail o na smaointibh a dhùisg an t-àite so, agus b’ amaideach an oidhirp, ged a bhiodh i comasach. Ge b’ e ni a thàirngeas air falbh sinn o chumhachd ar ceud-fàithean; ge b’ e ni a bheir do na shiubhail o chian, no do na tha fathast ri tachairt, làmh-an-uachcar air na tha a làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar bhithibh tuigseach. Gu ma fad uam-sa agus o ’m chàirdibh an fheallsanacad reòta sin a dh’ aomadh, mi gu gluasad gu caoin-shuarach eutrom, thar aon àit’ a dh’ fhàgaeh urramaichte le gliocas, le fearalas, uo le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh d’ a dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharaton, no an cràbhadh nach blàthaicheadh am measg làraichcan briste I-Chaluim-Chille.” A’ CHRIOCH. MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUIRIDH MAC LEOID. (Air a leantuinn.) Ràinig sinn Barbhas aig am na dineir agus chuireadh fàillte chritheil oirnn leis an Urr. Nial Moireaston ministeir na h-Eaglrls Shaoir ’an sin. Bha e an deigh an carbad a chur air dòigh agus e a dol gu Niss. An deigh na dinneir thug ni sgriob mu’n cuairt do ’n mhansa. Chithinn mansa na h-Eaglais Stéidhichte air an aonach a tuath orm. Is e sgir Bharbhais aon cho sean ’s a tha ’n Leòghas. Chuala mi o sheana Mhaighstir Domhnullach ann a Hampden o chionn ghoirid, gu’n robh aig Maighstir Aonghas, ministeir na sgir so aon uair, Leòghas gu h-iomlan mar pharaisde. Is iomadh anam a dh’ fheumadh a chaidh a dhith gu’n an soisgeul a chluinntinn ’s na laithibh sin. Tha ’n diugh tri coth onalan deug aig an Eaglais Shaoir an Leòghas agus ceithir no cuig aig an Eaglais Stéidhichte. Saoilidh muinntir a dh’ fhàg an t Seann Duthaich tri fichead bliadhna roimh so gu’m bheil na bailtean anns an do rugadh iad leth fhàsaichte, ach cha ’n ann mar sin a tha ’chùis. Tha na bailtean tiomchioll Bharbhais cho làn de thighean ’s a bha iad riamh. O chionn àireamh bhliadhnaichean chaidh iasgach Steornobhaigh na’n aghaidh agus tha, do bhrigh sin, mòran air feadh Leòghais gle bhochd na’n cranachur. ’Nuair a bha mise ann am Barbhas ’s e an obair a bha aca ’cur tubhadh sùidh air a bhuntàta. Chiteadh na fearaibh air mullach na’n tighean a’ toirt a nuas an tubhaidh agus na muathaibh le cléibh g’a ghiùlan air am muinn a chum na’n iomairean. Bha mòran de na gillean òga air falbh aig an iasgach Ghallach. Thug Maighstir Moireaston orm searmonachadh air a shon air an t-Sàbaid. Is ann an sin a bha an cothional ciallach eireachdail. Bha air na fearaibh deiseachan de chlòth dorcha glas a chaidh a dheanamh air clòimh na’n caorach agus leis a chuidheil bhig agus leis a bheairt fhighe a b’ àbhaist a bhi aig na Gàidheil o shean. Bha air na boirionnaich gùintean do dhrògaid Ghaidhealaich agus bha air an cinn, a chuid a bha pòsda dhiubh, curraichdean breagha, geala, air an iarnnaigeadh gu h-eireachdail oidhche Shathurna; agus air a chloinn nighean a chuid mhòr dhiubh cha robh comhdach cìnn ach an comhdach a thug am freasdal dhoibh, falt breagha liomhta gu’n bhearradh gu’n dathadh no casadh mar a gheibhear aig mòran do dh’ òisichean Chanada. Cha’n fhaca mi bonaid iteagach no phlùranach air ceann aon dhiubh ach air aon no dithis a bha air ùr phòsadh. Cha mhòr de chothionalan a shearmonaich mi riamh dhoibh a bha na bu shuidhichte. Air Diluain ghabh mi cuairt a chum na tràthad. Choinnich mi ri mòran de’n t-sluagh ag obair air glanadh a a bhuntàta air a mhachaire. Dh’ fhoghlum mi o’n ’chòmhradh a ghabh àite eadaruinn nach robh aig tuathanaich na’m bailtean nu’n cuairt ach tri agus ceithir acraichean fearainn, far a chéile, agus tha cuid de na teaghlaichean sin anns am bheil deich agus dusan de shluagh. Ciod a dheanadh Gàidheil Chanada air na fearuinn bheaga ud? Ghabh mi slàn le Barbhas air maduinn Di-màirt. Thug Maighstir Moireaston pios de’n rathad mi le a charbad agus choisich mi an còrr. An deigh oidhche a chur seachad ann an Steòrnobhadh ghabh mi carbad nan librichean gn Bailallan. Choinnich an t-Urr-Maighstir Domhnullach mi air an turas so agus chaith sinn beagan do dh’ùine gle thoilichte a’ labhairt air ministeirean agus eòlaich air feadh Cheap Breatuinn. Chuir e gu h-uasal a charbad leam gu Ard a Mhùlaich. Is furasda aithneachadh air an Urr. Maighstir Domhnullach gu’n do chaith e cuid de ùine ann an Canada. Tha uaisle ann agus daimh a tha ionmholte. Choinnich mo cheud charbadair mi aig Aird a Mhùlaich agus ghabh sinn ar turas air ais a chum an Tairbeart. Dh’ fhan mi an sin re seachduin agus air an t-Sàbaid shearmonaich mi dà uair ’san Eaglais agus aig sea uairean ’an eilean Sgalpaidh. (Ri leantuinn.) Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50 c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris. Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 64] [Vol. 3. No. 8. p. 8] Gearan Bean an Amadain air a Fear. LEIS A PHIOBAIRE MAC-GILLEBHRATH. AM PIOBAIRE.—Latha dhomh’ i ’bhi anmoch Ag ol an taigh Thormaid Bha ’bhean ann am feirg rium, ’S gum b’ ainmic an seol sin. LUINNEAG. Ho gun sguir mi de thumadh an stopain! Ho gun sguir mi de thathich an ruma, ’S i ’n obair gun bhuidhinn i, S diomain a solas; Ho gun sguir mi de thumadh an stopain. A BHEAN.—Chuir i failte le magadh;— Gur blath thu ’tigh ’nt dachidh; Tha failinn ad chasan, Is lapaich ad chomhradh. Gur h-uasal an nadar ’Bhi briodal na dalach Cho diblidh ri meirleach, ’S gun fhairdein ad phoca. ’S nach doir iad de mheas ort Do shron ’thoirt ’nan citsin, Ach laigh’ air an t-siteig, Fo shlignich an reota. ’S ioma di-millteach bodaich Ga shnaidheadh le bochduinn ’Bu lìonmhor a stoc Mur bhi copan a gheocaich. Call uin’ agus cosgais, Call chiu agus codach, Call tuir agus coiseachd, Tha ’m fochair an t-seors’ ud. Gur lionmhor call eil’ ann A dh’ innsear gu soilleir, Call sithe, droch oilein, ’S ro fhoilleil nan comhradh. De ’s graind’ air an t-saoghal Na fear air an daorich; Sruth fala le aodunn Is aodach na shroicean. ’Bhean phosd ’s a phaisdean ’Nam broin a dol bas A cur comhla gach la Cuid an trath’ o ’n luchd-eolis. Gu h-aog-neulach glas Air an claoidh leis an acras ’S cuis smaoinntinn am faicinn, ’S an craiceann troimh ’n comhdach. Thig esan gan ionnsaidh Gun aithne, gun chuimhne, ’S a stamac tionndadh A phuinnsein a dh’ ol e. AM PIOBAIRE.—Thuairt mise gu cianail, A bhean bi aig siochaint ’S cha deid diar gu siorruith A sios air mo sgornan-s’ A BHEAN.—Thuit ise neo-sgrubail, Cha n-fhiach leam a chuid sin ’S nach iarr iad gu spuirt Ann an cuideachdha choir thu. Ma theid thu ’n taigh-leanna S tu feumach air drama, Tagh companach glan Nach gabh barrachd ’s a choir dheth. Ach seachinn an glutair A dh’ oladh dheth bucaid, ’S nach stoldadh ’s an tuiteadh E ’n guitear an otraich. Gach aon dha ’m bheil reusan, Bheir aonta dha ’m sgeula; Bhi saors’ e na dheidh so ’S mi-fein a bhiodh deonach. Fear an Leadain Tlaith. Fhir an leadain tlaith, Dh’ fhag thu mi fo bron; Tha mi trom an drasd, ’S e sin fa mo dheoir! Fhir chuil dualaich, chleachdaich, ’S boiche fiamh ri fhaicinn, Tha do ghaol an tasgaidh ’N seomar glaist’ am fhaoil. Fhir an leadain, &c. Tha do ghruaidh mar shubhan, An garadh nan ubhall, ’S binne leam no chuthag, Uirighill do bheoil. Fhir an leadain, &c. An toiseach a’ gheamhraidh, ’S ann a ghabh mi geall ort, Shaoil mi gu ’m bu leam thu, ’S cha do theann thu ’m choir, Fhir an leadain, &c. Fhir an leadain laghaich, ’S tu mo run ’s mo roghainn, ’Na ’n sguireadh tu’ thaghal, ’S an tigh am bi an t-ol. Fhir an leadain, &c. Fhir an leadain chraobhaich, ’S og a rinn thu ’m aomadh, Thug thu mi o ’m dhaoine Fhuair mo shaothair og. Fhir an leadain, &c. Leighis MINARD’S LINIMENT mise o dhroch cnatan Oxford, N. S. R. F. HEWSON Leighis MINARD’S LINIMENT mise o chas ghoirt. Yarmouth, FRED COULSON. Leighis MINARD’S LINIMENT Ròs Dubh ormsa. Inglesuille, J. W. RHGGLES. THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod. Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 65] [Vol. 3. No. 9. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 1, 1894. No. 9. DONNCHA CAIMBEUL. BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK. I. Dh’ fhag Donncha Caimbeul a’ Ghaidhealtachd an uair a bha e mu shea bliadhna dh’ aois, gu bhi a’ fuireach le piuthar a mhathar, seann mhaighdean a bha ’chomhnuidh ann an Duneidean; far an deachaidh a chur do sgoil. Chaochail a mhathair greis roimh an am ud; ach cha b’ fhad gus an robh a h-aite air a lionadh suas, oir thug ’athair a lamh ann an ceangal posaidh do aon de na searbhantan. Cha robh mor-umhail aig Donncha do ’n chaochladh ud, no do ni air bith eile, saor bho shearrach dubh a bhuineadh d’a athair, agus cu mor, toinnisgeil d’ am b’ ainm Oscar, a bhuineadh do aon de na ciobairean. Bho nach robh giullan eile ’s an teaghlach ach e fein, bha Donncha agus Oscar ’n an dluth chompanaich—le a ghartan ceangailte mu amhaich Oscair, agus le clar ceangailte ri’ earball mor, dosach, bhiodh Donncha gu tric ’g a iomain mu ’n cuairt an àilein, ’g a thoileachadh fein le bhi a’ saoilsinn gun robh each agus cairt aige fo a stiuradh. Bha an caitheamh-aimsir ud, a reir coslais, cho taitneach do Oscar ’s a bha e d’ a chompanach. An uair a rachadh Donncha air a dhruim gu bhi ’g a mharcachd, cha b’ fhada gus an tilgeadh Oscar gu lar e, le aon chuid dol ’n a dheann ruith, no le e fein a roladh air an àilein. An uair a bhagradh Donncha air, shealladh e gu h-iriosal, diblidh air, agus dh’ imlicheadh e ’aodann agus a lamhan; an uair a leagadh e a’ chuip air, chrubadh e aig a chosan,—ach cha b’ fhada gus am biod cuisean a rithisd air an reiteachadh eatorra. Gheibhte Oscar gu bunailteach gach oidhche ’n a luidhe aig dorus seomar-cadail Dhonnchai; agus b’ an-aoibhin do fhear no mhnaoi a dh’ fheuchadh ri dol a stigh do ’n t-seomar aig amaibh mi-iomchuidh. An uair a chur Donncha cul a chinn ri dachaidh a leanabuidheachd cha robh mulad no smuairein air aig dealachadh ri’ athair, no ris na seibhisich. Cha robh e coltach gu ’n robh a’ bheag de smuain aige mu’n t-searrach dhubh; ach ’n uair a chunnaic e Oscar a’ sealltuinn gu muladach ’n a aodann, shil a dheoir gu frasach o ’shuilean. Phaisg e a lamhan mu a mhuineal, chniadach agus phog se e—“Oscair, Slan leat,” ars esan, agus e a’ caoineadh; “gu ’m beannaicheadh Dia thu, Oscair mo ghaoil.” Coma co dhiu, b’ fheudar dealachadh ri Oscar. Bha an gille agus an t-each aig an dorus, chaidh Donncha a chur air pillean air cul na diollaide, agus mharcaich iad air falbh. Lean Oscar iad gus an d’ rainig iad mullach a’ mhaim, far an do shuidh e sios, a’ tuireadh agus a’ donnalaich. Ghuil Donncha gus an robh a chridhe an impis sgaineadh. “Ciod e ’tha cur ort?” ars’ an gille. “Cha ’n fhaic mi gu brath m’ Oscar dileas, bochd,” arsa Donncha, “agus cha ’n urrainn mo chridhe a ghiulan.” Dh’ fhuirich Donncha car bliadhna ann an Duneidean, ach cha d’ rinn e mor adhartachd ann am foghlum. Cha robh e idir toigheach air an sgoil, agus bha piuthar a mhathar cho beadarach uime a’s nach foirneadh i do’n sgoil e an aghaidh a thoil. Air latha araid, bhuail tinneas obann i—bha aon de na searbhantan a’ frithealadh oirre gu bunailteach, agus bha Donncha air ’fhagail ’n a aonar. Bha e an comhnuidh air a mheas ’n a dhragh leis na searbhantan; cha robh dad de thlachd aca dheth, agus mar sin bha iad am bitheantas coimheach agus reasgach ris. Bha e nis air a chur thuige gu mor; is gann gu ’m faigheadh e de bhiadh no de dheoch na chumadh an deo ann. Beagan laithean an deigh do phiuthar a mhathar fas tinn, chaochail i. Bha gach ni troimh a cheile, agus bha Donncha bochd ann an impis basachadh le acras. Cha robh creutair ri ’fhaicinn air feadh an tighe, ach air dha tartar a chluinntinn ann an seomar peathar a mhathar chaidh e stigh, agus ciod e a bha na searbhantan a’ deanamh, ach a’ righeadh cuirp a chaomh bhan-charaid! Bu leoir e. Bha e air a lionadh le tomhas de uamhas nach b’ urrainn broilleach basmhor a ghiulan, leum e sios an staidhir, agus sud a mach ’n a dheann e cho luath ’s a bheireadh a chasan e; ruith e sios an t-Sraid-Ard, agus thairis ann an Drochaid mu-Dheas, a’ sios chaoineadh agus a’ bas-bhuladh. Cha chuireadh e a chas tuille air stairsneach an tighe ud ged a bheirte an saoghal dha mar dhuais. Rinn neach eigin greim air; chruinnich comhlan mu ’n cuairt air; dh’ fheoraich cuid ciod e ’bha cur air? ach cha b’ urrainn iad freagradh fhaotainn uaithe ach, “O, mise ’n diugh! Mise ’n diugh!” An uair a fhuair a fa sgaoil, ruith e air ’adhart, gun smuain gun umhail c’ aite an robh e dol, ach dol cho fad as ’s a bu chomasach dha bho an t-sealladh uamhasach a chunnaic e, gur suil gun fhiughair ris, ann an seomar peathar a mhathar. An uair a fhuair se e fein air tabh a mach a’ bhaile, bha e a’ saoilsinn gun robh e air an rathad do ’n Ghaidhealtachd; ghabh e direach air ’adhart, gus an d’ rainig e far an robh da taobh deas Geata-cise na Grainneich. Shuidh e ri taobh an rathaid. Cha ’b fhada gus an do shiolaidh a bhuaireas-inntinn gu seimh-chianalas; sguir e d’ a chaoineadh, ach bha fhathasd a chliabh fiir a luasgadh le osnaidhean trom, ospagach, agus le ’shuil ris an lar, thoisich e ri sgrioban a tharruing le ’mheur anns an smuraich. (Ri leantuinn.) THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod. [TD 66] [Vol. 3. No. 9. p. 2] UILLEAM UALLAS. LE AONGHAS MAC COINNICH. (Air a leantuinn.) BHA Eideard ann am Flànreis, air tir-mór na Roinn-Eòrpa, ’n uair a fhuair e sgeul gu’n robh na h-Albannaich air éiridh ’an ceannairc ’na aghaidh, air a chuid shaighpearan a chur air theicheadh a mach á Alba gu h-iomlan, ’s gu ’n robh iad féin air briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, ’s a’ deanamh mòran calla. Ghrad cho-dhùin e fosadh ri rìgh na Frainge, ris an robh e san àm sin a’ cogadh, ’s ghreas e air ais do Shasunn. Mu mheadhon an t-samhraidh bha armailt aig’ air fhaotainn deas gu màrsail a nall do Alba, gus an rioghachd sin ’a cheannsachadh as ùr. Ghabh e air aghart air ceann an fheachd so anns an robh ceithir fichead mìle saighdear, de’n robh ochd mìle ’n am marc-shluagh. Cha robh dad a’ coinneachadh ris na Sasunnaich ’an ceann a deas Alb’ ach bailtean air am fàsachadh, s tighean air an losgadh ’s machraichean air an gearradh sìos ged nach robh an t-arbhar fathast abuich. B’ e so an rian a ghabh Uallas air a’ mhàrsail a dheanamh doirbh do na Sasunnaich, ’s nach faigheadh iad biadh dhoibh féin no d an cuid each. Cha robh creutair beò’ de spréidh no eile ri ’fhaicinn, agus mu’n do thriall Eideard troimh cheann a deas Alba bha ’luchd-leanmhuinn gu mòr air an sàrachadh le gort. Agus a thuilleadh air so bha buidhnean shaighdearan aig Uallas air an òrduchadh gu bhi ’crochadh air gach taobh de’n nàmhaid, ’s gun a bhi idir a’ tighinn ’am fradharc. Leis na h-uile ni a bh’ ann bha na Sasunnaich gu mòr air an sàrachadh mu ’n do ràinig iad faisg air Dunéidin, far an robh dùil aig Eideard ri tionachadh o luingeas cogaidh a bh’ air an t-slighe gu Lìbhte. Ach ged a bha Uallas air a ghairm leis an t-sluagh, ’s leis an am, gu bhi ’n a Arn-uachdaran Alba, ’s ged a bha e ’cleachdadh nam meadhona bu fhreagarraich air son an tìr a dhionadh o naimhdibh, gidheadh bha mòran de mhaithibh na dùthcha aig an robh cus farmaid ris air son co ro mheasail ’s a bha e aig an t-sluagh, ’s leis nach bu diù gu’m biodh iad air an riaghladh le neach bu lugh’ inbhe na iad féin, ’s nach robh ’na tighearna fearainn mar bha iadsan. Thug am farmad ’s an spiorad eudaich so a mach an droch thoradh ’an Alba bhochd aig an àm ud a thug iad a mach an iomadh àite de ’n talamh, agus ’s an Rionn-Eòrpa o ’n uair ud, ’s eadhon ’n ar latha. Bha mòran de na h-uaislean ud nach do chruinnich an luchd-leanmhuinn idir gu Uallas a chòmhnadh ’an aghaidh a naimhdean, ged a bha fios maith aca nach robh neach eile san rioghachd co freagarrach ris air son na dreuchd gus an do ghairmeadh e, ’s a ghabh e os làimh. Ach an deìgh sud uile fhuair Uallas feachd maith cruinn a measg an t-sluagh chumanta, ’s na’n uaislean a bha ’g aideachadh a bhi dìleas da. A réir coslais cha b’ e ’rùn Eideard a choinneachadh ’am blàr fosgailt,’ ach na h-uile dragh ’us moill a b’ urrainn e chur air, gus am b’ éigin da pilleadh dhachaidh. Ach an uair a bha Eideard ’an imcheist mu ciod a dheanadh e, ’s a chuid saighdearan ocrach a’ maoidheadh fhàgail air a dhlò, thàinig dithis bhrathadairean, Iarla Dhunbàrr agus Iarla Aonghais do’n champa, ’s dh’ innis iad dha gu ’n robh Uallas ’na luidh’ ’am frìdh na h-Eaghlais-brice, fa rùn ionnsuidh a thoirt air na Sasunnaich an oidhche sin féin. Ann an uair a thìm bha ’n t-arm Sasunnach ullamh gu gluasad air aghart gu Uallas a choinneachadh. Stad an t-arm an oidhche sin air monadh faisg’ air Linlithgo. Mu bhriseadh na fàir ghabh iad air aghart tromh ’n bhaile sin, ’s ’nuair a shoilleirich an là chunnaic iad na h-Albannaich air aghaidh cnuic mu’n coinneamh dlùth air an Eaglais-bhric. Cha do mheas Uallas iomchuidh teicheadh roimh ’n nàmhaid, a thàinig mar so co dlùth a thairgseadh còmhraig. Ged a bha triùir aig Eideard mu chionneamh gach duine ’bh aige féin, chuir e dhaoine ’s an òrdugh a b’ fhearr a ghabhadh deanamh air son blàir a chur. Cha robh aig’ ach aon mhìle marach. Bu luchd-sleagha ’s fir-bhogh’ a’ chuid eile de ’n arm, a bha uile ’n an coisichibh. Roinn e ’n luchd-sleagha ’n an ceithir buidhnibh cruinn’ air leth ’s na fir-bhogha ’n an sreathaibh eatorra sin. Shuidhich e na marcaichean mar bhuidheann còmhnaidh air cùl a’ chuid eile de ’n arm, air son buidheann air bith de ’n nàmhaid, a dh’ oidhirpicheadh tighinn orr’ o’n cùl, a chumail air ais. ’S ann air taobh nan Sasunnach a bha tòiseachadh na cònnspaid. Thainig iad air aghart nan tri buidhnibh. ’N uair a chunnaic na morairean a bha stiùireadh na réisimeid each an dà thaobh a’ tighinn gu ionad tharruing lann, agus a’ cheart da rìreadh a’ tòiseachadh air obair a mharbhaidh, thionndaidh iad ceann an cuid each, ’s ruith iad air falbh o’n àraich le leum cheithir bonn, a’ fàgail an luchd-dùthcha bochd gu iad féin a dhionadh o ’naimhdibh mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad. Dh’ aithnich Ualla ’s dh’ aithnich na h-uil’ eile gu ’n robh ’n fhoill ann, ’s gu ’m b’ ann fa rùn e féin ’s a luchd-leanmhuinn dìleas a bhrath thairis do Eideard a bha oifigich nam marcaichean ud co fada ga leantuinn. Co dhiu lean e air a chòmhrag co fad ’s a chaidh aig air, gus am fac e gu ’n robh ’n là gu bhi air a chall. Thug e ’n sin an t-òrdugh air son retreit gu h-athaiseach, òrdail, ’s thog e féin ’s a’ chuid eile de na h-oifigich a b’ fhearr a bh’ air an armachadh an àit’ air deireadh an airm, mar a bha iad a’ màrsail air falbh o’n àraich. Cha do lean an nàmhaid air an ruaig, ’s co mòr a bha iad air an claoidh le obair an là. Ach cha robh teagamh sam bith nach h-ann aig na Sasunnaich a bha onair na buaidh-làthraich. Thuit mòran sluaigh air gach taobh. Phill Uallas an là air na mhàireach air ais a dh’ ionnsuidh na. h-àraich, ’s fhuaradh cùig mìle deug de ’na h-Albannaich nan luidhe marbh air an achadh, ’s nam measg sin Sìr Iain Greumach. ’N uair a fhuaradh a chorp-san, leum Uallas dheth ’n each, ’s thog e ’na ghlacaibh e, ’s phòg e’n aghaidh ghlas-neulach, ag ràdh, “Mo thruaighe! mo bhràthair a b’ fhearr—m’ fhìor charaid ’n uair bu chruaidh’ a bha mi air mo theannachadh.” Tha ’m fiùdhalach so air adhlacadh ’an cladh na h-Eaglais-brice, agus seann leac-lighidh fathast a’ comharrachadh an àite ’s am bheil e ’na luidhe, agus an dòigh ’s an robh e air a mharbhadh. An déigh blàr na h-Eaglais-brice, a chuireadh air an 22 de mhios deireannach an t samhraidh, 1298, mhàrsail Eideard an t-arm gu baile Shruileidh an dùil gu ’m faigheadh a chuid saighdearan rudeigin a dh’ itheadh iad ’s a’ bhaile sin. Ach fhuair e ’m baile na lasraichibh, ’s an dùthaich mu ’n cuairt deth air a fàsachadh, ’s air a losgadh leis na h-Albannaich fèin. Fhuair buidheann de ’n arm a chuir e troimh Shiorrachd Fiofa baile Chill-Rimhinn [TD 67] [Vol. 3. No. 9. p. 3] air a losgadh mar an ceudna, ’s fhuaradh baile Pheirt air an aon dòigh. Cha robh rian aig sluagh coimheach air a bhi beò ’an dùthaich ’s am bu roghnuiche leis an luchd-àiteachaidh na h-uile ni air an leagadh duin’ a dheud a losgadh, na e thuiteam nan làmhaibhsan. B’ éigin do Eideard, le cion bìdh’, an fheachd a mhàrsail air ais do Shasunn, an ceann a dhà no thrì sheachuinean an deigh là na h-Eaglais-brice, gun bhuille tuilleahd a bhualadh ged a dh’ fheudadh e bhi air sheòl eile furasd’ an rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan a chionn iad a bhi co mòr air an roinn an aghaidh a chéil’, agus an t-arm air a lagachadh ’s air a mhi-mhisneachadh. ’N uair a thuig Uallas là na h-Eaglais-brice co neo-shàbhailte ’s a bha e dha earbs’ a chur ’an cuid de àrd uaislean na tìre, leig e dheth dreuchd Uachdarain Alba, a chionn nach b’ urrainn e ’cumail ni b’ fhaide le tairbhe do’n aobhar a bha e ’dìonadh. Bha e deònach air na b’ urrainn e dheanamh air son saorsainn a chosnadh d’ a dhùthaich mar shaighdear cumanta, no co-dhiù, oifigeach os ceann àireamh shaighdearan. ’S rinn e na b’ uraainn e ’s an t-suidheachadh sin. Ach bha ’n gnothuch a’ dol air ais, ’s a’ fàs ni bu mhi-choslaiche riamh o leig esan dheth riaghladh an airm ’s na dùthcha, ged a chaidh àireamh dhaoin’ uaisl’ eil’ ainmeachadh ’n anàrd-riaghlairibh. Ged a chuir an t-ocras dachaidh Eideard goirid an déigh buaidh na h-Eaglais-brice, gidheadh b’ fhad’ o ’smuaintibh Alb’ a leigeadh as a spuiribh gus am faigheadh e i air a h-ath-cheannsachadh. Cùig turuis an déigh sud ruith e tharis air Alba, mar thonnaibh cuain, le feachd lionmhor. Mu ’n cuairt de shéa bliadhn’ an déigh là na h-Eaglais-brice, bha gach àrd ’us ìosal ’s an rioghachd air aideachadh ùmhlachd a thoirt do righ Shasuinnach Uallas a mhàin, ’s tearc de luchd-leanmhuinn dìleas a bh’ aige. Leò sin lean e air na b’ urrainn e dhragh ’s a chall a chur air na Sasunnaich còrr ’us bliadhn’ an déigh do gach dùchair eil’ an armachd a leigeadh sios. Bha e féin ’s a luchd-leanmhuinn a’ tighinn beò air a’ chreich a bha e toirt o na Sasunnaich. Bha e tuineachadh mar bu trice ’s an dùthaich choilltich eadar Glascho ’s Dunbarton. Chuir Eideard sum mhòr de airgiod ceann air, ’s fadheòidh thug fear d’ am b’ ainm Sir Iain Monteith, a bha uaireigin ’n a charaid aig Uallas, ach a nis ’na cheannard air caisteal Dhunbarton fo Eideard, brib do aon d’ a sheirbhisich air son a bhrath. Thug an seirbhiseach foilleil ud comharra do’n cheathairn a chuir Munteith uaithe, leis am biodh fios aca ’n uair a b’ fhean ionnsuidh a thoirt air. A réir a’ chomharraidh so thàinig iad air ’s e ’n a chodal’ an uamhaig anns a’ choille. Chaidh a ghiùlan gu ruig Lunainn, trom luchdaichte le iaruinn, far an robh Eideard garg gu neo-fhoighidneach a’ feitheamh air son a chuid fola. Thugadh fa chomhair cùirt lagh’ e gu dhol fo dheuchainn air son a bheatha. B’ i’ cheud chùis-dhitidh a chuireadh as a leth, gu ’n robh e ’n a cheannairceach ’an aghaidh crùin Shasuinn. Fhreagair e ’n sin nach b’ urrainn e bhi ’n a cheannairceach ’an aghaidh righ Shasuinn, o’ nach robh e riamh ’na igohdaran aige. B’ i ’n ath chasaid, gun do ghlac ’s gu’n do loisg e bailtean ’s gu ’n do mharbh e mòran dhaoine, ’s gu ’n d’ rinn e mòran ainneirt. Fheagair esan gu ’n robh e fior gu ’n do mharbh e ro mhòran Shasunnach, ach gur h-ann a chionn iad a bhi dol a cheannsachadh ’s a chreachadh na dùthcha d’ am buineadh e fèin, Alba; agus ’an àit’ aithreachas a ghabhail air son sin, gur h-ann a bha e ro dhuilich nach do chuir e gu bàs mòran eile dhiubh. Cha robh leithid sud de fhreagraidhean a’ dol a riarachadh Eideird ’s a chuid bhreitheamhna dioghaltach. Dhìt iad Uallas gu bhi air a chur gur bàs leis a’ cheann a chur dheth. Chaidh a ghiulan air càrn-slaodaidh gu Smithfield, àit’ a’ chasgraidh, air an 23 là de cheud mhìos an fhoghair, 1305, ’s a làmhan ceangailt’ air a chùlaobh Agus an déigh a chur gu bàs anns na dóighibh ’bu phiantail’ agus bu bhuirb’ air am b’ urrainn a mhortairean smuaineachadh, ghearr iad ’na cheithreannaibh e, ’s chuir iad a cheann suas air crann aig drochaid Lunainn,—a làmh dheas os ceann drochaid a’ Chaisteil Nodha, ’s a làmh thoisgeal ’an àite follaiseach ann am Beruic. Chuireadh ceithreamh eile dheth gu ruig Peirt, ’us ceithreamh do Abaraidhean. Shaoil le Eideard gu’n sgaoileadh e leithid de chrith-oillt ’s de uamhas a measg chàirdean na h-Alba ’s nach gabhadh aon sam bith dhiubh a dhànadas air tuilleadh àr a mach a dheanamh ’na aghaidh, ach gu ’n robh luchd-àiteachaidh na dùthcha sin, ’s uaithe sud a mach gu brath fo ’mheachainn gus na laghan a ghabhail a b’ àill leis-san ’s le ’shliochd a thoirt, ’s a bhi air an riaghladh ’s an dòigh am faiceadh esan iomchuidh. [A’ CHRIOCH.] C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach saorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 68] [Vol. 3. No. 9. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton SIDNI, SEPTEMBER 1, 1894. ANNS an àireamh so tha ’n t-Urr Ruairidh Mac Leóid, ministeir Dhun-bheagain, an Ontario, a toirt a “Thurus do’n Ghàidhealtachd” gu crich. Tha sinn làn chinnteach gu bheil ar luchd leughaidh uile, mar tha sinn féin, glé fhada ’n comain an dnin’-uasail chòir air son na h-eachraidh, agus an dòchas, ged tha so ullamh, nach leig cion sgriobhadh Gàilig. Tha duilleag le e le pheann fàs meirgeach an a MHAC-TALLA fosgailte dha aig na h-uile h-àm. MA bhios ar càirdean gu math dhuinn air a bhliadhna so, bidh sùil againn ri bliadhna shoirbheachail, agus geallaidh sinn daibh leughach dhe gach seòrsa a’s fearr na chéile. Tha àireamh mhath de shàr sgriobhadairean a cumail ris a MHAC-TALLA mar tha, agus tha dòchas againn gu’m bi tuilleadh a dol ris an àireamh. Tha an t-Urr A. Mac G. Sinclair gach seachdain a’ cumail òrain agus dàin riuthasan a tha deigheil air bàrdachd, agus cha b’ urrainn làmh na b’ fhearr a bhi ris. Tha ’n t-Urr. Iain Mac Ruairidh, o thaobh thall an t-sàile o àm gu àm a’ cur thugainn litrichean blasda brigheil as an Eilein Sgiathanach, agus sgeulachdan breagha, air an cur sios ann an cainnt cho tlachdmhor ’s nach sgithich neach sam bith dhe’n leughadh. Bi’dh Niall Mac Leòid a toirt dhuinn òran ùr an dràsda ’sa rithist, a réir ’s mar a bhios a chruit chiùil air a gleusadh. Tha ’n t-Urr. Dr. Niall Mac Nis, a Cornwall, Ontario a gealltuinn a bhi ’g ar cuideachadh le ’pheann an deigh so. Tha e na àrd sgolair agus na sgriobhadair math Gàilig. Bi’dh sinn mar an ceudna cluinntinn o na h-Urr. Callum Caimbeul agus Ruairdh Mac Leòid, o Chabar Feidh, F. O. S., agus àireamh eile nach leig sinn a leas ainmeachadh an so, a tha uile ’nan deagh sgriobhadairean. Le ’n cuideachadh-san agus le cuideachadh an luchd-gabhail uile, tha sinn an dòchas am MAC-TALLA a dheanamh air a bhliadhna so na’s fhearr na bha e riamh. A Loch Ainslie. Thainig bàs gle ath-ghearr air Mr. Tearlach Friseal ann an Scottsville a sheachdain an t-Sathuirne s’a chaidh. Bha e ri gnothuch mor mar ceannaiche. Bha moran chàirdean aige agus ionndrainear gu mor e anns a choimhearsnachd. Tha ’m “Minnehaha” air a cumail gu trang air ais ’s air adhart le luchd turuis ’s luchd-spòrs as gach cearna dhe’n dùthaich. Chaidh a dealbh a tharruinn an la roimhe agus teaghlach mor mu’n cuairt oirre. Tha iadsan nach eil ’san dealbh idir ag radh gur h-iad moran a’s dreachoire na iadsan a tha innte. Ach tha’n dealbh math a dh’aindeoin sin. Chuir bean us teaghlach an Dr. Mhic Griogair beagan ùine seachad anns a mhansa, còmhla ris an Urr. Alasdair Grannd, ministeir aoidheil na sgireachd. Is bràthair do bhean Mhr. Grannd an Dotair, agus bheireadh sin fhéin air muinntir a pharaiste fàilte ’s furan a chur air a chéile ’s air a chlann. Tha nise Comunn Teachdaireachd Chéin nam Ban againn an so, agus tha sinn an dòchas gu ’m bi iadsan a tha ’n am buill dheth nam meadhon air feum mor a dheanamh do mhuinntir eile agus dhaibh féin. Tha bhi ’dol an guaillibh a cheile mar so ’g an dùsgadh gu bhi faicinn an dleasanais, ’g an cur ann an suidheachadh inntinn na ’s fearr, agus a toirt misnich dhaibh gu bhi dol air adhart leis an ni tha ceart. Tha sinn an dòchas gu faic ar mnathan còire gu bheil an so cothrom air a thoirt dhaibh gu math a dheanamh Bha àireamh mhath de shaibhlean ùra air an cur suas an so re an t-samhraidh, agus bha sin na mheadhon air saoir ionnsaichte dheanamh de chuid dhe na sgolairean a’s fearr a th’ againn Ach ’nuair a shil an t-uisge, dh’ innis e gu robh an t-ionnsachadh glé dhaor dhaibh-san leis an leis na saibhlean. Tha Eachunn us Callum us Murchadh gle mhi-thoilichte gu bheil na sgaran a toirt fianuis ’nan aghaidh. AILEIN AN FHARAIDH. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c, &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C.B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 69] [Vol. 3. No. 9. p. 5] NAIDHEACHDAN THILL ochd mile ’s ceithir cheud teaghlach Frangach as na Stàitean o chionn bliadhna, agus thog no cheannaich iad fearainn ann an Canada. Anns na teaghlaichean sin tha mu dha fhichead mile pearsa eadar bheag us mhor. CHAIDH còig iasgairean a bhathadh ’an Eileanan Mhagdalen air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig stoirm orra ’s iad am mach aig an iasgach. Dh’ fheuch iad ri faighinn gu tir, ach chaidh am bàtaichean a bhristeadh air na creagan agus iad féin a chall. THA ’m bàrr, a reir gach coltais, gu bhi gle mhath ann am Manitoba air an fhoghar so. ’N uair bhios a bhuain a stigh uile, bidh mu shia muillein deug buiseal cruithneachd anns an dùthaich, da mhuillein dheug buiseal coirce, agus gràn eile a réir sin. THEICH fear A. F. Spring, a bha na fhear-riaghlaidh banea ann am Penetanguishene, Ont. an la roimhe, agus an deigh dha na leabhraichean a bhi air an rannsachadh fhuaireadh gu robh eadar còig mile deug us fichead mile dollair aige air a chur ’na fheum féin. Cha robh e ’na fhear-riaghlaidh air a bhanca ach mu ochd miosan deuga. LEIS an t-seasamh-mach a rinn an luchd-oibreach air na rathaidean-iaruinn anns na Stàitean, chailleadh còrr us ceithir fichead muillein dollair ($80.000.000), agus b’ e ’n luchd oibreach féin a dh’ fhuiling a chuid bu mhò dhe’n chall. ’S uamhasach an amaideas do dhaoine bhi cur a leithid a chall orra fèin ’s air muinntir eile, agus sin air son reusan bho beag. THA ’n cogadh a’ dol air adhart. Chuir Japan us China blàr air an ochdamh latha deug, ’s chaidh gabhail air Japan. Bha na Japanich a dol air tir ann an Corea, agus mu’n d’ fhuair iad ann an òrdugh ceart bha na Chinich ’n am badaibh, agus chuir iad an ruaig orra, a marbhadh tri cheud deug dhiubh. Mur biodh iad air teicheadh dh’an uisge bha iad air am marbhadh uile. BHA stoirm mhor ann an Ruisia Di-domhnaich s’a chaidh, aig cladaichean Muir Azof, agus rinn i call uamhasach. Bha cuid a bhailtean beaga air an sguabadh bhar a chladaich, ’s air an tilgeil dh’ an mhuir. Chaidh soithichean fhuadach bhar an cursa ’s am bristeadh ’nam bloighdibh air na creagan. Tha e air a mheas gu robh, air a chuid bu lugha, mile pearsa air am marbhadh. BHA Sultan na Tuirce air a chur an cunnart a bheatha o chionn ghoirid, agus fhuaradh am mach gu robh dithis de ’àrd oifigich fèin anns a cheannairc còmhla ri feadhainn eile. Chaidh iad so a sgiùrsadh gu follaiseach air sràidean a bhaile mhoir Di-sathairne s’a chaidh, agus bha iad an sin air an tilgeil do’n phriosan. ’S ann tha iongatas air na h-uile nach robh iad air an cur gu bàs, oir ’s e sin am peanas a’s bitheanta nithear air luchd droch-bheirt anns an dùthaich sin. ’N UAIR a bhatar a’ bualadh arbhair ann an shabhal tuathanaich àraidh ’an Ontario, an la roimhe, bhrist rud-eigin mu ’n mhuilinn, agus chaidh i ’na teine. Chuir sin teine ris an fhodar, agus chaidh dithis dhaoine bh’ air a mhìr arbhair a losgadh no a’ mhùchadh gu bàs. FAODAIDH luchd-gabhail a MHAC-TALLA ann am Port Morien sgus mu’n cuairt, a phris a phaigheadh do Mhr. Callum Mac Amhlaidh, ceannaiche. Iadsan ann am Baddeck agus mu’n cuairt air, faodaidh iad am pàigheadh a thoirt do Niall Domhnullach, cléireach ’s an stòr aig D. F. MacRath. ANNS a chòmhstri a bh’ eadar na Stàitean agus Breatuinn a taobh iasgach nan ròn ann an Cuan Bhehring, ghlac na Stàitean naoidh deug de shoithichean iasgaich Chanada. ’N uair chaidh cùisean a cheartachadh eadar an da dhùthaich b’ fheudar do na Stàitean aideachadh gu robh an obair sin mi-laghail, agus tha aca ris an call a dh’ fhuiling na soithichean sin a dheanamh suas. Tha iad an dràsda ’tairgsinn ceithir cheud ’s coig mile fichead dollair ($425.000) gu bhi air a roinn air na soithichean do gach té a reir a calla. Ma ghabhas Breatuinn ris an tairgse sin bi’dh an t-airgiod air a phàigheadh uaireigin eadar so us toiseach an t-samhraidh. DH’FHOSGLADH na sgoiltean air feadh na dùthcha air Di-luain. Tha sinn a tuigisnn gu bheil maighstirean-sgoile gle ghann anns na bliadhnaichean, agus a réir coltais cha ’n ann a dol dad na ’s pailte tha iad. ’S e tha ’g aobharrachadh so an tuarsdal a bhi cho beag ’s nach eil e ’na bhuannachd do mhoran a bhi leantuinn ris an sgoil. Roimhe so bha bliadhna na sgoile air a roinn ’na da earrainn, agus dh’ fhaodadh neach sgoil a chumail ’s an t-samhradh agus a dhol do cholaiste ’sa gheamhradh. Ach tha sin a nis air a chur air cùl agus tha moran air sgur a chumail sgoile gu buileach. Tha e soilleir nach mair a chùis fad air an dòigh so. Feumar tuarasdal nam maighstirean-sgoil’ àrdachadh gu math neo théid moran de na sgoiltean gu neoni. GLEANN-GARRAIDH.—Anns a bhliadhna 1793, dh’ fhàg àireamh de theaghlaichean Gàidhealach an dachaidhean ann an Gleann-Eilg an Siorramachd Rois, agus chaidh iad air imrich gu Gleann-Garraidh an Ontario far an robh àireamh dhe’n luchd-dùthcha air suidheachadh roimhe sin. An deigh moran fadail a bhi air a chumail orra, le droch shide ’s nithean mi-fhàbharrach eile, rainig iad Newfoundland mu dheireadh October. Chuir iad an geamhradh seachad am measg Ghàidheil Eilein a Phrionnsa agus cha d’ rainig iad ’an ceann-uidhe gus air an ath shamhradh. Tha moran de shliochd nan daoine sin ’san latha ’n diugh a fuireach timchioll air baile Alexandria, agus tha iad a’ cur rompa air an fhoghar so cruinneachadh mòr a bhi aca mar chuimhneachan urramach air beatha agus saothair an aithrichean a shuidhich ’sa cheart àite direach ceud bliadhna roimhe so. Tha iad mar an ceudna dol a chur suas càrn-chuimhne dhaibh. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 70] [Vol. 3. No. 9. p. 6] MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID. (Air a leantuinn.) Thàinig atharrachadh mòr air muinntir an eilean so o chionn àireamh bhliadhnachan. An àite làn na’m bàtaichean a bhi ’tighean far an Tairbeart agus am botull ga’n cur air mhisg ’s ann a gheibhear an diugh a’ dol dhachaidh far an Tairbeart iad làn na ’m bàtaichean a seinn Sailm Dhaibhidh. Air an fheasgar so bha grùnnd do bhàtaichean ’an comunn a chéile agus bu cheòlmhor binn a bhi ’cluinntinn fuaim an ciùil a’ dol suas a dh’ionnsuidh cluasan Tighearna na’n sluagh. ’Nuair a rainig sinn an t-eilean agus a ghabh an sluagh greim bidh chruinnich iad do ’n tìgh leughaidh agus dhomhlaich iad e. An deigh labhairt riu car tacain dh’ fhàg sinn iad agus ghabh na priomh dhaoine sealbh air a choinneamh agus rinn iad coinneamh ùrnuigh dhi. Dh’fhalbh ceathrar sgairteil leamsa ann am bàta agus ann an ùine ghoirid bha sinn air an Tairbeart. Air Di-luain thog mi rithe ann am bata na smùid agus ann an da uair do thim bha sinn ann an Ròthadal. Fhuair mi dòigh air faighinn gu Stranda as a sin agus as a sin fhuair mi an t-aiseag gu Bearntraigh. Is ann air an t-seachdair sin a bha an Comanachadh air a chumail air an d’ thug mi iomradh a cheana. An deigh a chomanachaidh dh’ fhalbh mi gu mo thuras a ghabhail air ais do Chanada. Is e ethar Chlann Néil Mhic Sheumais—a Bhanrigh—a thug sinn leinn. Dh’ fhalbh sinn far na Laimhrìg Ruaidh. Cha mhòr nach robh muinntir an eilean gu h-iomlan air a challa a’ gabhail slàn leis an Americanach. An deigh na tri ruinn mu dheireadh de’n t-seathamh Salm far an t-sia fichead a sheinn agus urnuigh a dheanamh ghabh mi slàn leo uile agus dh’fhàg sinn an calla. Bha an latha breagha agus b’éigin dhuinn a bhi ga h-iomaradh gus an robh sinn a mach air cùl Ghìleasaidh. Bha Padruig Mac Neil agus Ruairidh Mac Fhearghuis mar a bha iad riamh a tarruing as a chéile mu’n iomaradh. B’ éigin an cumail air dòigh leis an uaireadair. Mu dheireadh thainig an soirbheas agus chaidh na raimh a shaoileadh. Cha robh sinn fada a’ dol a steach gu bàgh Lingrabhàgh. Dh’fhan sinn an oidhche sin comhla ri piuthar dhomh a tha pòsda aig mac an Diuc Mhànais a tha na Mhaor Fearainn air ceann a deas na h-Earradh. An deigh ruigheachd chaidh fios a chur mu’n cuairt agus bha coinneamh ùrnuigh againn. Bu taitneach a bhi ’labhairt ri grunnd do mhuinntir a bha cuid dhiubh air ùr thighinn fuidh bhuaidh na firinn. Cha mhòr de choinneamhan ’s an robh mi bu riaraichte mi leatha na ’n aon so. Gu cinnteach bithidh cuid a Bàgh Lingrabhàgh aig an Tighearna ’s an latha anns am bi e a’ deanamh suas a shéudan. Air an la màireach ghabh mi bàta na smùid á Rothadal agus air dol air bord dhomh coinnicheam ri ceathrar do mhuinntir Bhearntraidh a bha a dol do phriosan Ionbharnis air son gu’n d’ fhuaras iad ag agairt fearuinn Bhuirdhe ni nach robh air a cheadachadh dhoibh. Thug mi beagan do chomhairlean orra agus air dhomh labhairt ri beagan do dh’ uaislean air bòrd mu thimchioll an ana-ceartais a bha air a dheanamh orra chruinnich mi beagan airgid air son an cuid theaglaichean. Rainig sinn Port Righ an oidhche sin agus air an latha màireach fhuair sinn an t-aiseag do’n t-Sròm agus an oidhche sin bha sinn ann an Glaschu. Dh’ fhan mi an sin a chuid a b’ fhearr de sheachdain. As deigh sin ghabh mi mo thuras do Liubharpul far an do ghabh mi an t-aiseag air ais do Chanada. Thug mi cunntas athghearr do luchd leughaidh a MHIC-TALEA air Mo Thurus do’n Ghaidhealtachd. Bithidh mi a’ gabhail slàn leo uile a nis a guidheadh do na h-uile aca. “Gu ma fada beò sibh is ceò as ur tigh.” [A’ CHRIOCH.] Leighis MINARD’S LINIMENT mise o dhroch cnatan Oxford, N. S. R. F. HEWSON Leighis MINARD’S LINIMENT mise o chas ghoirt. Yarmouth, FRED COULSON. Leighis MINARD’S LINIMENT Ròs Dubh ormsa. Inglesuille, J. W. RHGGLES. THA e gle dhoribh naigheachdan firinneach fhaotainn a thaobh a chogaidh a tha dol air adhart eadar China us Japan. Tha Corea cho fad air chùl an t-saoghail agus cha’n eil an Telegraph ’ga ruigheachd fhathast, air chor ’s gu’n toir na naigheachdan ùine mhor air an rathad, agus nach urrainnear a bhi uair sam bith cinnteach as cho firinneach ’sa tha iad. Tha e air a radh an dràsda gu bheil Corea fhéin ag iarraidh saorsa o chuing China, agus gu bheil i ’g iarraidh air Japan a cuideachadh gus na Chinich a ruagadh am mach as an dùthaich. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND &CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinu bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 71] [Vol. 3. No. 9. p. 7] A Acarsaid Chloinn Fhiongain. A MHIC-THLLA RUNAICH:—’S iomadh latha o’n bha sùil agam litir a sgriobhadh do bhur n-ionnsaidh a chum gu ’n innsinn dhuibh (a bhàrr air nithean eile) cho toilichte ’sa tha sinn a bhi ’ga ’d fhaicinn gach seachdain ann a trusgan cho sgiamhach, le d’ òraidean Gàilig, naidheachdan an latha ’n diugh, agus sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh. Gu ma fada beo thu gu leantainn air an obair mhath; saoghal fada, fortan maith, agus soirbheas fàbharrach gu ’n robh daonnan agaibh. Tha chuid mhor de na tuathanaich an deigh an cuid feòir a chur do na saibhlean. Tha iad a gearan am bliadhna air lughad nan saibhlean, rud air nach do ghearain iad o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha so a sealltuinn dhuinn gu ’m bi biadh spreidhe na ’s pailte air an earrach so ’tighinn, na bha ’e air an earrach s’a chaidh. Tha ’n t-arbhar gu math trom ach tha eagal oirnn nach biath e cho math sin, a thaobh gu ’n cuir biastagan a choirce gaiseadh mor ann. Cha bu leòr sgriosadairean a bhuntàta, ach dh’ fheumadh seòrsa eile tighinn air a choirce. Ach cha n-eile iad idir cho pailt an so ’sa tha sinn a cluinntinn a tha iad an àitean eil. ’S gu ma fada a bhios sin againn ri radh! A dh’ aindeoin daolagan tha moladh mòr air an bhuntàt ùr. Dh’ fhosgladh an sgoil a rithist Di-luain. Tha i ’n dràsd air a cumail leis an fhòghlumaich òg, D. Mac Nèil bràthair d’ar Sagart Paraiste, an t-Urr. R. Mac Nèill. Tha so ro thràth air son am maighstir sgoil’ ùr a mholadh na chàineadh. “Mol an latha matha air a dheireadh,” agus ni sinn sin ma ’s fhiach e e. Cha chluinnear an drasd ach Pic-nic thall is Pic-nic a bhos. Chaidh Pic-nic thigh sgoile Ghlinn Bharra a chumail Di-màirt, agus tha sinn toilichte gu’n a shoirbheach leò gu math. Bha ’n latha briagha, fionnar agus chruinnich sluagh mor a dh’ fhaicinn gach cleasachd agus chuich a bha dol air aghaidh. Bha dhuaisean air an toirt seachad airson seinn na pioba mòire, airson dannsadh, tilgeadh an ùird, cur na cloiche, cur car dhe ’n chabar, leum agus ruith, ach se cath-tharruing an ròp a dh’ aobharich ceòl-gàraich is cridhealas an latha. Is mise, le gach deagh ghuidhe, do charaide dileas. DONNACHA DONN. Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. Tha bràthair do Chaserio, am fear a mhrabh Riaghladair na Frainge ’s a bha air a chrochadh an la roimhe, an deigh tigh’nn ri bheatha féin. Chuir an gniom a rinn a bhràthair a leithid de thàmailt ’s de mhasladh air ’s gu’n deachaidh e as a rian. NA NARROWS BHEAGA—Bha sàcramaid na suipeir air a frithealadh aig na Narrows Bheaga air an t-sabaid s’a chaidh. Bha sluagh mor cruinn as gach cearna dhe ’n choithional ’s as na coithionalan mu ’n cuairt. Air la na Sàbaid thainig dà bhàta smùid á Baddeck, am May Queen agus bàta beag eile le Mr. Bell, ’s taosg mor sluaigh air bòrd gach te dhiubh. Bha ’n t-seirbheis Bheurla ’s Ghàilig anns an eaglais a h-uile latha ach la na Sàbaid, nuair bha Ghàilig ann muigh, agus a Bheurla ’san Eaglais. Bha na bùird air an riarachadh am muigh mar a b’ àbhaist, bòrd Gàilig an toiseach, an sin bòrd Beurla, agus an sin bòrd Gàilig eile. Bha ’n latha cho briagha ’s a dh’ iarrte, latha dorcha, fionnar, gun ghrian no uisge ’cur dragh air an t-sluagh. Shearmonaich Mr. Grannd, á Loch Ainslie, ’san eaglais agus Mr. Caimbeul, ministeir na Narrows fhein, am muigh. Ged bha sluagh cho mòr cruinn bha iad uile ’gan giulan féin gu modhail, stòlda, agus cha robh misriaghailt sam bith ri fhaicinn fad an latha. Tha muinntir nan Narrows cho aoidheil ’s cho fialuidh ’s bu dual do chlann nan Gàidheal a bhi, agus na thainig de choigrich ’nan measg bha iad air an deagh chàradh. CHAIDH nighean bheag ann an Eilean a Phrionnsa da’n ainm Lela Mills am mach do phàirceannan cùil air fearann a h-athar an la roimhe, agus thug mathan mór as a deaghaidh. Thug e uaipe pios arain a bh’ aice, agus air dha sin itheadh thug e as a deigh a rithist. Bha màileid bheag aice ’na làimh agus thug i stràchdan dheth mu’n cheann dha, rud a chum beagan air ais e gus an d’ fhuair i faisg air an tigh. An sin chuir e mu’n cuairt, ’s thug e choill’ air, agus cha’n fhacas uaithe sin e. Bha ’n té bheag air a criothnachadh gu dona leis an eagal. Thainig na reachdan air an robh Seanadh nan Stàitean a’ gur cho fada gu bhi ’nan lagh an la roimhe. Ged tha chìs air a toirt bhar moran nithean, tha i air a’ fàgail fhathast air gual, siùcar agus iarann. Tha ’n lagh ùr gu math na’s fearr na ’n seann fhear, ach bha Cleveland cho mi-riaraichte leis ’s nach cuireadh e aonta ris; leig e leis tighinn gu bhi na lagh ’san dùthaich gun a sheula-san a dhol ris idir. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 72] [Vol. 3. No. 9. p. 8] An Dotair Mac-Lachuinn. Rugadh Iain Mac Lachuinn an Rathuidhe ’sa Mhorairne ’s a bhliadhna 1804. Dh’ ionnsich e ’n dotaireachd ann an Glaschu. N uair a fhuair e troimh ionnsachdh thanig e air ais do ’n Mhorairne. Theirteadh am bitheantas Dotair Rathuaidhe ris. Bha e ’na dhuine cumadail, dealbhach, blath-chridheach, na lighiche math, agus na dheagh bhard. Tha e air a radh gun robh e trom air an t-suiridh. Co dhiu a bha no nach robh, cha do phos e riamh. Chaochail e sa bhliadhna 1874. Chuireadh a mach a chuid oran ann an leabhar beag ’sa bhliadhna 1880. So beagan rannan de dh’ fhear diu. ORAN. Gur moch rinn mi dusgadh ’S an ur-mhaduinn cheit, ’S a dhirich mi ’m bruthach Gun duin’ ach mi-fein:— Tha ghrian air a turas A siubhal troimh ’n speur, ’S dealt na h-oidhche a tuirlinn Bharr ur-dhos nan geug. A direadh an aonich Ri aodunn a chuirn, ’S binn torman a chaochain A’s aoidheile burn. Le ròis air gach taobh dheth Ag aomadh fo ’n driuchd, ’S e ri dearrsadh na greine Ag eiridh na smuid. ’S binn na h-eoin feadh nam preasan Gu leadarra ’seinn; Tha ’n uiseag lan solais Ri ceol os mo chionn Na ba laoigh anns a gheumrich Air an reidhlein ud thall, ’S mac-talla nan creagan Gam freagirt air ball. ’S alninn trusgan a ghlinne Gu binnein nan stuchd; ’S cubhridh boltrach nan luibhean Nam chuinnein mar thuis; Ged is boidheach gach doire Ann ’sa choille ’sa bhrùchd, ’S ged tha ’m barrach cho urail Cha duisg e mo shunnd. ’N so air faobhar a mhullich Gur muladach mi; Ceann-aobhir mo thuiridh Leam gur duilich r’a innis’; Nach dirich mi tuilleadh Ri munadh ’san tir,— Nach dean mi cuis-ghaire ’N gleann aillidh mo chridh. ’S mi ghluaaiseadh gun smalan Ann an gleannan an aigh, ’S moch a shiubhlinn do phreasan Gun teagamh, gun sgàth; Anns an og mhaduinn chubhridh ’N uair bhiodh druchd air gach barr; ’Naile dhirinn ri d’ stuchd-bheinn Gun churam roimh namh. Ach ’s tim dhomh bhi ’g eiridh, ’S bhi tearnadh o ’n aird; Cha dean luinneagan feum dhomh, Cha dean eigheach dhobh stath; Feuch am bata fo comhdach, Aig comhnard na traigh’, ’Tha gu m’ ghiulan null’ thairis A gleannan an àigh. Tha ’n t oran so gu math fada ’s cha doir mi seachad an corr dheth. Thug mi seachd gu leoir dheth gu leigeil fhaicinn gun robh ’n Lighiche Mac-Lachuinn na bhard math. Ths e na aobhar diulichinn leam, a MHAC-TALLA, gun deachidh do mhealladh. Chuir thu am mach oran Mhic Lachuinn bho chionn beagan sheachdainnean fo ’n ainm “Cead deireannach Mhargari:” Tha mi ’n dochas nach tachir a leithid a rithisd. Tha mi toilichte gun do chuir thu am mach an t-oran a chuir mi ga t’ ionnsidh le Alasdir Domhnullach ’sa Cheapich, “Ho mo Mhari Laghach.” Tha e na oran math, agus a leigeil fhaicinn, ged a tha Domhnull Gobha, Iain Piobaire, Ailain an Ridge, Iain Boid, agus am Bard Mac-Gilleain fo ’n talamh, gu bheil fhathasd, co dhiu, aon bhard aig siorramachd Antigonish, ged nach ’fheil e innte. Dh’ fhag Alasdir a cheapach agus thug e Meinn Cnoc-an-fhuarain air. Tha eagal orm gun cuir toit a ghuail bho orain ’s bho cheol e. Rinn an clo-bhuailteir tri mearachdan beaga an oran Alasdir Dhomhnullich; Chuir e cluimear an aite cluinnear, dhuth ’s gach te an aite dluth ’s gach te agus bidh mo ghnath an aite bidh mo ghuth. A. MAC-GILLEAIN SINCLAIR. Minards Liniment air son Loine. Bha “Pic-nic” anns a Bhras d’Or Bheag air an t-seachdain s’a chaidh, air son cuideachadh le cur snas tigh an t-Sagairt, an t-Urr. M. A. Mac-a-Phearsain. Chuireadh còrr us da mhile dollair cruinn, rud a tha ’g innse gu robh soirbheachadh math leis a ghnothuch. Tha ’n tigh air a chur suas cheana, agus tha gach aon a chunnaic e ag aideachadh gur a tigh ro bhreagha e, agus gu bheil e ann an àite cho bòidheach ’sa gheibhear air an eilein. Cur Minard’s Liniment ’san tigh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F, Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 73] [Vol. 3. No. 10. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 8, 1894 No. 10. CUL-CHAISE MUINNTIR GHLINN-COMHAIN. Tha gnàth-fhacal coitchionn air feadh na dùthcha air a chleachadh le moran aig nach eil fios ciod is ciall da. ’S e ’n sean fhacal sin,—“Bidh tuilleadh uime na bha mu ’n chùl-chàise.” Tha mhiann orm an t-àm, an t-àite, agus an t-aobhar mu ’n do chleachdadh air tùs e a dheanamh aithnichte dhaibhsan aig nach eil fhathast fios air. Tha fhios againn uile nach robh dùthaich no ceàrna de’n domhain anns nach do thachair air an fhear-thuruis da inbhe dhaone, ’s iad sin daoine beairteach agus daoine bochda. Tha so mar an ceudna ri fhaotainn ’sa Ghaidhealtachd. Bha seana chleachadh am measg nam fior Ghàidheal a thainig a nuas bho ioma linn, gu ’n rachadh na h-uireasbhuidhean, roimh àm na Nollaig air “Faoidh Nollaig” a measg an càirdean agus an coimhearsnach shaobhir a chum ’s gu’n faigheadh iad nithean leis an cumadh iad féisd na Nollaig. Bha ’n cleachdadh so gu ro shónruicht air a chumail am measg muinntir a ghlinne. Anns a bhliadhna 1543, air maduinn an naodhamh latha deug de cheud mhios a gheamhraidh, thàr ochd-fir-dheug air turus faoidhe. Bha iad òg, curanta, meamnaich nach gabhadh giorag roimh ghnùis nàmhaid nan uchd cruaidh gàbhaidh, nach meataicheadh ri garbh fhrasaich foghair, no sneachda dùmhail dùdhlachd a gheamhraidh, an cas-cheum air taobh glinne mar chiar-cheò maduinn foghraidh no sneachda dùmhail dùdhlachd a gheamhraidh air sliabh beinne. Iadsan a bha chòmhnuidh am bràigh a ghlìnn, thog iad a mach ri Gleann-lic-na-muidhe, tarsuinn a nunn cath na cunneaghaidh, agus iadsan a bha ’san t-srath a mach ri Gleann-na-fihodhe a nunn thar Màm-uchdaidh, agus air bheag de latha, shocraich gach buidhean iad féin air Cnocan-na-Comhairle, ’se sin tullach beag, bòidheach, uaine, air taobh deas Mhàmuchdaidh, ionad anns am bu ghnàth leis an luchd-faoidhe comhairl’ a’ ghabhail o’n mhor-bhuidheann an deigh dhaibh uile cruinneachadh, agus sònrachadh air an àm agus air an àite anns an tachradh iad a rithist. Air dhaibh, air an àm so, a mhor-bhuidheann a roinn ’na tri buidhnean beaga, sianar anns gach buidhinn, agus gach buidheann dhiubh so gu tachairt ri chéile air feasgar an treas latha aig Rudha-na-coinneimh, am bràigh a ghlinne, goirid o’n àite anns a bheil Tigh-an-Righ; air dhaibh mar so an uile ghnothuichean a shocrachadh air Cnocan-na-comhairle, ghabh buidheann dhiubh nunn gualla Chorrobheinn a mach beallachd Caol-chreireann, tarsuinn a nunn Gleann-Eite, a mach Larraig Dochairt agus a stigh bràigh Ghlinn-Urchaidh. Ghabh an da bhuidheann eile sios Gleann-Creireann, a’ dealachadh ri chéile aig an Eilirig, a’ togail a mach slochd Ghlinn Uidhir, a nunn thar Creag Eancha, agus a stigh ceann Loch Eite. Bha mar so gach buidheann gu sunndach, dian, togarrach, a’ gairm air gach caraid agus fear-eòlais a thuit tachairt orra. Air an àm shuidhichte, thoisich gach buidheann air an aghaidh a chur air Rudha-na-Coinneimh, agus do reir cumhnanta, thachair gach aon dhiubh ’s an àite sin air feasgar an treas latha. Air dhaibh sgeul a gdabhail, gach aon de chéile, chuir iad an cuid uile cuideachd, chum ’s gum biodh e rithist air a roinn na earrannan beaga, ’s e sin earrann mu choinneamh gach fir. Fhuair iad gu math air an aghaidh leis an roinn, gus mu dheireadh an robh aon chùl-càise ri roinn. Thuirt fear gur ann air an roinn so hu chòir a chur; thuirt fear eile gur ann air an roinn so eile bu chòir a chur; agus thuirt an treas fear nach b’ ann idir, ach air an roinn so. Dh’ eirich mar so cònnsachadh ’nam measg; lion tnù mar so na laoich lan feirg, ’s o gharbh briathran thainig iad gu marbh bhuillean sgaiteach, geur, gus fa-dheòidh nach robh mac màthar ann an b’ urrainn sgeul a thoirt air mar a thachair. Thainig an oidhche ’s bha an càirdean aig a bhaile fo mhor iomguin agus imcheist ciod an tubaist’ a thachair air an luchd-faoidhe, agus bu shiubhlach iad o bhaile gu baile ag iarraidh na sgeòile nach robh ri fhaotainn. Mu bhriseadh na faire, thog buidheann a mach ri innein a ghlinne, tarsuinn a munn gus an Rudha. Air dhaibh a bhi tarruinn fagus do’n ionad sin, agus a nis an latha air bristeadh gu soilleir, air leotha gu’n robh iad a faicinn mar gu ’m biodh daoine nan sineadh ri bruaich uillt bha siubhal seachad ri taobh an Rudha. Rainig iad, agus bha ’an sin an càirdean, na h-ochd-fir-dheug, nan sineadh gun phlosg. Bha cladach an uillt a bha siubhal seachad, agus lochan beag a bha aig ceann an uillt, mar uidhe ceud slat do’n ionad anns an robh iad nan sineadh, dearg le fuil. Theirte ris an lochan so ’san àm, Lochan Rudha-na-Coinneimh, ach uaithe sin gus an latha ’n diugh, theirear Lochan na Fala ris. Laimhsich iad na daoine a bha nan sineadh, gach aon fa leth, agus fhuaras nam measg aon anns an robh an deò. Ghiulain iad e g’a thigh féin, agus le mor-chùram chleachdadh gach ni a b’ urrainnear a smaointeachadh chum a chreuchdan a leigheas, ach dh’ fhairtlich gach oidhearp, agus bhàsaich e ’n ceann beagan ùine. Re na h-ùine bha ’n duine so beò, chaidh gach oidheirp a dheanamh air mion-chùnntas fhaotainn uaithe, ach cha d’ fhuaras na’s fhaide na th’ air aithris ’an so. Mar so bha toiseach a’ ghnàth-fhacail, “Bidh tuilleadh uine na bha mu’n chùl-chàise.”—Gleann Comhan, anns a Chuairtear. [TD 74] [Vol. 3. No. 10. p. 2] DONNCHA CAIMBEUL. BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK. I. Cha robh e ro fhada anns an t-suidheachadh ud gus am fac e sealladh a thug tomhas faothachaidh d’a chridhe trom, aonarach—drobh mor de chrodh Gaidhealach. B’ iad sud na ceud chreutairean cosmhuil ri luchd-eolais a chunnaic Donncha re an iomlain de an bhliadhna a chaidh seachad. Dhuisg sealladh dheth an adhaircean geal agus an sprogain leathann faireachduinnean maoth, measgaichte de sholas agus de chianalas ’n a chridhe. Mar a bha iad a’ dol seachad, thug e fainear gun robh iad dùr, gruamach ’n an coltas; ghrad thuig e an t-aobhar. Bha iad ann an seibh nan Sasunnach—’n am fogaraich bhochd, coltach ris fein—a’ dol fad air falbh gu bhi air an casgairt agus air an itheadh, agus far nach faicte leo gu brath beanntabhi na Gaidhealtachd. An uair a chaidh iad uile seachad air, sheall Donncha as an deigh agus thoisich e ri caoineadh as ur; ach bha ’aire air a grad thionndadh air falbh uath le rudeigin a bhean gu tlath ri ’chasan; ghrad sheall e mu ’n cuairt—’s e a bh, ann, cu bochd, crubach, acrach a’ crubadh ris an lar agus ag imlich a choise, agus air bainidh le sulas agus le aoibhneas buaireasach. Iongantas nan iongantas! Co a bh’ ann ach a sheann chompanach ionmhuinn, dileas, Oscar, cho blion, cho seargta agus cho crubach agus gur gann gu ’m b’ urrainn dha gluasad! Bha e a nis ’n a thraill bhochd aig drobhair Sasunnach (leis an robh e, ma dh’ fhaoidte, air a ghoid no air a cheannach aig an Eaglais bhric) a bha cho fad air dheireadh air Oscar a thaobh suairceas agus fiughantachd a ghne ’s a bha Oscar bochd air dheireadh airsan ann an neart agus ann an cumhachd. Tha e do-dheanta coinneamh a bu taitniche no bu tlaithe a chur an cainnt; ach ’n uair a chunnaic Donncha na bha de aogas an acrais agus na h-aimbeairt ri ’fhaicinn gu soilleir ann an gunis a charaid, bha ’chridhe air ’fhàsgadh le faireachduinnean dolasach. “Cha ’n ’eil mir no spruidhleach agam ri ’thoirt dhuit, m’ Oscar bochd! Cha ’n ’eil greim agam air mo shon fein, ach cha ’n ’eil mi cho dona dheth ’s a tha thusa.” Rinn an drobhair fead chruaidh; chlisg Oscar; dhluthaich e gu teann ri broilleach Dhonnchai; leag e a cheann air a ghlun, sheall e gu cianail ’n a aodann mar gu ’m biodh e ’g asluchadh air a dhion o ’n chrochairan-iochdmhor ud. Chualas gun dail fead eile a bu chruaidhe na a’ cheud te, agus glaodh ard, iargalta o’n drobhair, a’ gairm Oscair d’ a ionnsaidh. Chriothnaich Oscar bochd o a cheann gu ’bhonnaibh, ach air eagal peanais sheap e air falbh gu h-athaiseach, aindeonach an deigh a shealbhadair an-iochdmhor, a thug fainear gu ’n robh Oscar mar gu’m biodh e ann an ioma-chomhairle agus a’ sealtuinn as a dheigh; agus air eagal gun teicheadh e uaithe, ruith an drobhair air ais ’n a choinneamh. Chrub Oscar ris an lar, ghlac an drobhair air chluais e, agus leag e strachdan air le bata garbh a bh’ aige ’n a laimh, gus an do luidh e sios leth-mharbh aig a chosan. A reir coslais bha na h-uile ni ag oibreachadh le ’cheile gu bhi ’leon faireachduinnean Dhonnchai, ach bha e air a chur thuige le bruidealachd an-iochdmhor an drobhair ni bu mho na bha e leis gach trioblaid eile leis an robh e air ’fhiosrachadh. Ruith e air ’adhart far an robh Oscar ’n a shineadh agus e a’ gul gu goirt, a’ caineadh an t-Sasunnaich mar bhruid chruaidh-chridheach; agus arsa Donncha ris; “Ma ’s e a’s gu ’n tig mise gu bhi am lan dhuine agus gu ’n coinnich sinn a cheile, bi cìnnteaeh gu ’n cuir mi as dhuit.” Shuidh e sios agus thog e ceann Oscair air a ghlun, a dh-fheuchainn an robh fhathasd an deo ann. Bho nach b’ urrainn an drobhair a’ bheag a dheanamh as eugais a’ choin, dh’ fheith e gu faighidneach gus am faiceadh e deireadh na cuise. Thainig Oscar thuige ri h-uine, agus dh’ ealaidh e air falbh ri sail a mhaighistir gun a chridhe bhi aige sealtuinn air ais. Sheas Donncha far an robh e, ach leag e a shuil gu bunailteach air Oscar, agus mar a b’ fhaide bha e dol uaithe is ann a bu mho a bha e air a bhuairaadh gu a leantuinn. Sheall e null ’s a null, ach cha robh ni ach falmhaidheachd ri ’fhaicinn air gach taobh, cha rob hfeum da stad far an robh e, agus mar sin lean e as deigh Oscar agus agus an drobhair. II. Bha ’n crodh sgith, agus a’ gluasad gu h-athaiseach; ghlac Donncha slatag ’n a laimh, agus chuidich e leis na drobhairean ann a bhi ’g an iomain air an turus. Thug fear dhiu sgillinn dha, thug fear eile da sgillinn dha; agus air do ’n oganach aig an robh an drobh air a churam ’fhaicinn cho ealamh agus cho ghrad-charach ’s a bha Donncha, agus an t-astar a chaidh e leo gu bhi ’g an cuideachadh, thug e sea-sgillean dha. Bha sud ’n a mhaoin do Dhonnach. Air dha ’bhi ro ocrach, cheannaich e tri builionnan sgillinn anns a’ cheud bhaile troimh an deachaidh iad; dh’ith e aon dhiubh thug e aon eile do Oscar, agus ghiulain e an treasamh aon dhiubh fo ’achlais fa chomhair ’fheuma air a thurus. Lean e an drobh gus an d’ thainig an oidhche orra, agus thionndaidh iad a thaobh anns an dubh-thra gu raon ard eadar Uisge Ghala agus Middleton. Leig Donncha e fein sios gu tamh fo fhasgadh seann challaid; roinn e a’ bhuilionn air Oscar, agus dh’ith iad an greim tioram gu caidreach le ’cheile. Air do Dhonncha ’bhi ro sgith, thuit e gun dail ann an trom chodal, as nach do dhuisg e gus an robh a’ ghrian air direadh ri arde nan speur air an latha ar-n a’ mhàireach Bha Oscar, an drobh agus na Sasunnaich air falbh agus as an t-sealladh. Fhuair Donncha bochd e fein ’n a aonarach air raon lom, fasail, gun fhios dha ciod an duthaich no an rioghachd anns an robh e. Shuidh e car greis ann am breislich iomadanach nee-umhaileach, a’ suathadh a shul agus a’ tachas a chinn; cha b’ urrainn e ’inntinn a dheanamh suas ciod a dheanadh e, no c’ aite an rachadh e. Anns an dùiseal chianail ud, co a chunnaic e a’ tighinn air ais d’ a ionnsuidh, ’n a dheann-ruith, ach a chaomh-charaid Oscar; oir ged a b’ eiginn dha air gairm a mhaighistir, Donncha ’fhagail leis fein ’n a shuain fo fhasgadh na callaid, far an do chaith iad an oidhche ann an asgailtean a cheile, bu choltach gu ’n do ghabh Oscar fath air a’ cheud chothrom a fhuair e gu teicheadh air ais gus far an d’ fhag e a chompanach. Olc no math a dh’ fheudadh tighinn ’n a dhàil, chuir Donncha roimhe, na ’m bu chomasach e, dealachadh a chur eadar Oscar agus a dhroch mhaighistir smaointich e nach robh ni ’b ’fhearr fo ’ailghios na teicheadh air falbh bho ’n rathad mhor cho luath ’s a bheireadh an cosan iad le ’chile, agus an aghaidhean a thoirt air monadh fiadhaich a bha ’sineadh a mach ris an aird-an-iar. Cha deachaidh iad da fhichead ceum [TD 75] [Vol. 3. No. 10. p. 3] thar an rathaid, gus am faca e an Sasunnach a’ tilleadh air ais gun ad gun chota, le a bhata togta ri ’ghualainn. Chriothnaich Donncha gu bonnaibh a chos, fo eagal gu ’n cuireadh an Sasunnach, ’n a fheirg agus ’n a bhruidealachd, na h-eanchainnean as fein agus á Oscar. A reir coslais, cha d’ thug an Sasunnach an aire dhoibh, air dha a bhi ’n a dheannruith agus a’ sealltainn direach roimhe. Luidh Donncha sios fo thoman fraoich, agus chrub Oscar gu teann ri ’bhroilleach. Bha am fraoch cho fada ’s gu’n do chomhduich e iad le cheile; leum an Sasunnach thar an rathaid a dh-ionnsuidh an aite ’s an do chuir Donncha agus Oscar an oidhche seachad, ach cha d’ fhuair e ann ach nead fhalamh. Sheall e mu’n cuairt, agus ghairm e air Oscar; chlisg Oscar, agus dhluthaich e ri broilleach Dhonnchai; chunnaic Donncha e ’tighinn direach an taobh a bha iàd, ’aodann laiste le feirg agus le aimheal, le a bhata suas ri ’ghualainn. An uair a thainig e dluth dhoibh sheas e; sheall e a null ’s a nall, chuir e a mheoir ’n a phluic, rinn e fead-ghlaice, agus bheuc e a mach; “Oscar, gheo, ho!” Chriothnaich Oscar, agus chrub e ni ’bu dluithe ri broilleach Dhonnchai. Bheireadh Donncha an saoghal, ged bu leis e, asrson gu’n sluigeadh an talamh e. “Gonadh agus droch comhdhail air,” arsa ’n Sasunnach: “Na ’m faighinn greim air dheanainn e fein agus an slaoightear beag, bradach daor aig pris sam bith. Cha’n urrainn iad a bhi ro fhada air falbh; air leam gu ’m bheil mi ’g an cluinntinn.” Sheas e’n a thosd a dh’ eisdeachd car tiota, ach aig an dearbh mhionaid ud thainig tuathanach air muin eich suas ris, agus dh’ fheoraich e dheth an do chaill e a chu? Thuirt an Sasunnach gu ’n do ghoideadh e le biasd bhalaich a choinnich riu air an rathad. Dh’innis an tuathanach dha gu ’n do choinnich e ri giullan agus cu ’n a dheigh mu thuaiream mile air adhart. Air dhoibh a bhi mar so a’ comhradh ri ’cheile, chaidh cu an tuathanaich suas gu uirigh Dhonnchai, chuir e a shron air fein agus air Oscar, choc e ’earball, thug e cuairt no ’dha timchioll orra, a grunnsgail gu bagarrach. Mu ’n d’ fhag e iad bhuin e gu mi-mhodhail ri Donncha, ach air eagal an drobhair, ghiulain Donncha gu foighidneach leis an oibheum a thug cu an tuathanaich dha. Cho luath agus a chuala an drobhair sgeul an tuathanaich mu’n ghiullan agus mu ’n chu ghreas e air adhart gun suil a thoirt thar a ghuala gus an deachaidh e as an t-saalladh. An uair a fhuair Donncha e fein agus Oscar aon uair eile saor á lamhan an drobhair, bha ’uchd air a lionadh agus air a luasgadh le tomhas de sholas agus de thaingealachd, a chuir gach cruaidhchas troimh an deachaidh e riamh, as a chuimhe; agus cho luath ’s a chaidh an Sasunnach as an t-sealladh dheirich e fein agus Oscar, thog iad ris a’ mhonadh, agus cha b’ fhada gus an d’ rainig iad gu tigh ciobair, far an d’ fhuair e aran agus meog air son a bhidh-maidne. Cha bu chuimhne leis gu’n do bhlais e riamh diota no urachadh cho milis no cho taitneach; ach ocrach mar bha e fein, cha d’ aicheidh e air Oscar a roinn de ’n chreich. Tur aineolach air an duthaichanns an d’ fhuair Donncha e fein a nis ’n a fhogarrach allabanach gum pheighinn ’n a phoca, cha robh dad a b’ fhearr na a’ bhaigeireachd fo ’ailghios; mar sin bha e corr agus bliadhna a’ dol mu ’n cuairt o thigh gu tigh air feadh nan tuathanach timchioll monadh Herriott a’ fuireach, ma dh’ fhaoidte bho aon oidhche gu ’dha no tri ’sheachdainean anns gach aite fa leth a reir an tomhais de chaoimhneas a gheibhte leis. Cha ghabhadh e gu dona tair no dimeas a dheante air fein, ach far am faigheadh Oscar beum no buille, no na ’m faighte coire do’n chairdeas chaidreach a bha air altrum le Donncha dha, bu leoir sud gu bhi a’ gluasap Dhannchai gu bogadh nan gad, ciod air bith cho fialaidh ’s a bhiodhte ris fein. (Ri leantuinn.) Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL W. CROWE [TD 76] [Vol. 3. No. 10. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton SIDNI, SEPTEMBER 3, 1894. BODACH A CHEARTAIS. Anns an àm ’san robh daoine air ùr-thighinn d’on dùthaich so, bha cuid de bhalgairean de dhaoine ’nam measg aig an robh beagan sgoile agus moran uaisle nan cinn, agus bhiodh iad, mar-a b’ urrainn dhaibh, a feuchainn ri ceann-fodha a chumail air a chuid eile dhe’n t-sluagh air nach fhaca ’m freasdal iomchuidh na nithean sin a bhuileachadh. Thainig bodach dhe’n t-seòrsa sin a nall á àite ann an Earra-Ghaidheal ris an abradh iad Achateirie agus thug e fearaan ’sna h-Eileanan Coille. Cha’n eil mi dol a dh’ ainmeachadh neach sam bith air ainm mo air a shloinneadh, oir tha iad a ris uile á sealladh, agus cha mhor á cuimhne. Ach, co-dhiu, bha ’m fear so a’ ruith beagan de’n uaisle ’s de’n Ghalldachd thall, agus bha e feuchainn ri leithid eile dheanamh a bhos. Fhuair e an sid aon uair a bhi ’na fhear-ceartais, no mar theirear ann an cainnt nan Gall, Justice of the Peace; agus beagan an deigh dha an dreuchd sin fhaotainn, chaidh e féin us dithis de ’nàbaidhean,—daoine còire, foghainteach,—le bàta gu ruig’ am baile-mòr. Air an tilleadh dhachaidh, bha aig na daoine so ris an iomradh a dheanamh, agus bodach a cheartais na shuidh’ ’an deireadh a bhàta us cleòchda mor uime mar bhitheadh air a leithid ’san àm ud. ’S ann toiseach a gheamhraidh a bh’ ann, agus thachair raon mor deighe orra, agus smaoinich iad gu m b’ fhearr dhaibh am bàta shlaodadh thairis oirre na dhol timchioll. ’Se sin a rinn iad. ’N uair a bha iad a fàs sgith, leig iad am bàta air a chliathaich, ’s dh’ iarr iad air fear a chleòchda tighinn a mach agus coiseachd. Ach ma dh’iarr ’s ann a dh’ at esan suas le feirg ’sa thuirt e riutha. “Coma leibh de ni mise. Tàirnnibhse ’m bàta, chonnaibh, neo bheir mis’ oirbh e ’nuair ruigeas mi tir! Cuimhnichibh gu bheil mo Chommission agam ’na mo phòca, ’s mur dean sibhse mo tharruinn, cha bhuidhe dhuibh!” Cha robh aig na daoine bochda ach a dhol a dh’ obair a rithist, cho luath ’sa leig iad an anail, agus am bàta ’sa luchd a tharruinn mar a b’fhearr a b’ urrainn daibh, ’s bodach cleòchdach a cheartais a’ gabhail na cùis air a shocair. S. A. MAC I. Litir a Lunnuinn. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,—Bha mi a’ leughadh an latha roimhe gu ’m beil corr agus 35,000 shuaigh ann an Canada a bha ’labhairt na Gaidhlig gach latha de ’n t-seachduinn, agus ged a bha sin mar sin, cha-n ’eil aon sgoil air feadh na duthcha, anns am beil i air a teagasg. Mo thruaighe! Nach iongantach an dòigh anns am beil na Gaidheil a ’cur dimeas air an cànain fein. Is sinne sliochd nan gaisgeach treun a choisinn mòr chliu anns gach linn o shean, agus cha-n ’eil urad de dhuinealas againn ’us a sheasas suas airson cànain ar n-aithrichean, agus a bheir dhi am meas ceudna a tha sinn a’ toirt do ’n Bheurla. Na leigeamaid as ar cuimhne gu ’m beil e mar dhleasnas oirnn cànain ar sinnsear a theagasg do ar cloinn. Bu choir dhuinn fios a bhi againn gur e teagasg an cànain fein do ar n-oigridh a’ chiad chum a chum ar litireachas a thogail gus an inbhe a’s airde, agus gur i an sgoil an t-áite anns an coir sin a dheanamh. Nach ’eil fior Ghaidheal sam bith agaibh ann an Canada aig am beil urad de dh’ ughdarras am measg a luchd-duthcha ’s gu ’n rachadh aige air dòigh air choreigin fhaotainn chum a’ Ghaidhlig fhaighinn air a teagasg anns na sgoilibh? Tha iongantas orm nach do chuir Comunn Gaidhlig Toronto iomradh a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA mu dheihhinn nan oidhirpean a tha iad a deanamh airson cuis na Gaidhlig a chur air adhart. Tha mi ’n dòchas nach ’eil iad cosmhul ris na Comunnan Gaidhlig ann an Albainn agus Sassunn, ma tha, cha’n fhaigh a’ Ghaidhlig mòran cuideachadh bhuapa. Is e mo bheachd gu ’m beil MAC-TALLA a’ deanamh tuilleadh airson ar cànain a chumail beò na tha Comunn sam bith air am beil mi eòlach, agus ma chuireas cairdean na Gaidhlig an cinn agus an guaillean r’a cheile faodaidh i a ceann a thogail fathast, ach is eudar dhuinn ar n-uile dhichioll a dheanamh, ma ’s àill leinn a’ Ghaidhlig a h-àite a ghabhail am measg cànainean eile an t-saoghail. Tha clann nan Gaidheal fada ’nur comain airson cho dileas agus cho daingean ’us a sheas sibh airson an cainte agus tha mi ’n dòchas gu ’n dean iad an dleasnas ribh. Buaidh leibh anns gach ni a ghabhas sibh os làimh. Is mise bhur caraid, LAMH LAIDIR. Lunnainn, 25, 8, ’94. Minards Liniment air son Loine. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 77] [Vol. 3. No. 10. p. 5] NAIDHEACHDAN THA ceò trom air an speur ’an so o chionn deich mo dusan latha. Cha ’n eile teagamh nach ann o na teinntein mora tha ’sna Staitean an Iar a tha e tighinn. AN deigh a chòigeamh latha deug, faodar tòiseachadh air iasgach nan giomach; ach feumaidh iadsan aig a bheil dùil a bhi riutha cead a cheannach o’n luchd-riaghlaidh. THA ’m bradan anabarrach pailt ann an aibhnichean Cholumbia Bhreatunnach-Tatar ’gan creic eadar còig us ochd sentichean am fear, agus cha ’n fhaigh na h-iagairean uap iad uil’ eadhon air a phris sin. BHA pic-nic mhor ann an Glace Bay Di-sathairne. Bha dòrlach mor sluaigh cruinn, moran dhiubh á Sidni ’s à Sidni Tuath. Chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail agus chaidh na h-uile dhachaidh glé riaraichte. THA Féill bhliadhnail Eilein a Phrionnsa gu bhi ann an Charlottetown air a mhios so, a tòiseachadh air Di-màirt an 25mh la, agus a dùnadh air Di-haoine, an 28mh la. Tha Féill Nobha Scotia ri bhi ann a Halifax aig an àm cheudna. CHAIDH fear E. Petro a mharbhadh aig Westville N. S., D-hoine s’a chaidh, leis a charbad iaruinn. Bha e ’g obair air a charbrd ’s chaidh e fodha ’chur rud eigin air dòigh, ’s ’nuair bha e ’an sin chaidh an carbad air ghluasad, ’s chaidh na cuidhlean thairis air. CHAIDH fear Iain Callaghan, mèinneadair, a losgadh gu dona ann am Bridgeport maduinn Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e tòiseachadh ri ’obair-latha, ’nuair a chuir solus na lampa beagan ‘gas’ a bha mu’n cuairt na theine, ’s loisg e a cheann ’sa ghuaillean mu’n d’ fhuair e dhol as an rathad. BHA coinneamh clèire ann an Eaglais St. Andrews air Di-ciaduinn. Bha chuid mhor de na minnistearan a làthair, agus bha iad cruinn gus mu cheithir uairean feasgar, a cur air dòigh ghnothuichean a bhuineadh do’n chlèir ’s do na coithionalan, Bha pic-nic aig Sgoilearan Sabaid St. Andrews air an latha cheudna, air taobh thall na h-acarsaid. THAINIG fear Martin Myers, a bha fuireach ann an Charlottetown ri bheatha féin Di-ciaduinn air an t-seachdain s’a chaidh. Chroch e e féin ann an sabhal. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois agus dh’ fhàg e bean us teaghlach mor ’na deigh. Cha ’n eil fhios air ni sam bith a bha cur deagh air mo bheireadh air an gniomh a dheanamh. BHA ’n t-each-iaruinn air a chumail air asi gu tric re a gheamhraidh s’a chaidh le stoirmeannan sneachda, ach air a gheamhradh s’a tighinn, tha luchd-riaghlaidh an rathaid a cur rompa buaidh a toirt air an t-sneachda. Tha iad a togail thaighean air an rathad anns na h-áiteachan ’m bu mhiosa na citheachan; bidh mar sin dùil againn ris an each iaruinn a bhi falbh ’sa tighinn na’s riaghailtiche ri àm dùlachd na b’ àbhaist dha. An la roimhe dh’ fagh Uilieam Bisset, (seann tuathanach beairteach a chuir a cuid a b’ fhearr dhe bheatha seachad faisg air Montreal,) a dhachaidh air son sgriob a thoirt dh’ an t-seann dùthaich. ’N uair a bha e dol air bòrd an t-soithich a bha gu ’toirt thairis air a chuan, thuit e bhar na drochaid a bh’ eadar an laimhrig ’s an soitheach, agus chaidh a bhàthadh. THA seann duine da’n ainm Seumas Mac Neill a mhuinntir nan Eileanan Coille ’sa phriosan ann an Charlottown, a peitheamh ri bhi air fheuchainn air son marbhadh fear Uilleam Mac Ille-mhaoil, duin’ òg a bha ’sa choimhearsnachd aige. Tha e air fhàgail air Mac Ille-mhaoil ’s air gill’ eile gun deach iad gu tigh ’Ic Néill ’s gun do chuir iad an daorach air, ’s an sin gu’n do thòisich iad air tarruinn as. Ghabh an seann duine ’n fhearg, fhuair e gunna ’s loisg e orra, ’s bha Mac Ille-mhaoil air a mharbhadh air a bhad. Tha Mac Nèill ag radh nach robh dùil aige fear seach fear dhiubh a mharbhadh ’s nach robh e ach a dol a leigeadh na h-urchair mu’n casan air son eagal a chur orra. CHAIDH duin’ òg, da ’m b’ ainm Iain Day, a mharbhadh leis a charbad air an rathad-iaruinn eadar Sidni Tuath ’s an “Junction,” oidhche Di-haoine air an t-seachdain ’sa chaidh. Cha robh fhios aca-san a bh’ air bòrd air a charbad gu ’n do thachair ni sam bith gus an d’ rainig iad Sidni, ’n uair a fhuaras fuil an duine bhochd air na cuidhlean toisich. Chuireadh fios air ball gu fear-gleidhidh na calla aig an Junction agus chuir esan daoine mach a dh’ iarraidh a chuirp, agus cha deach iadsan ach astar goirid ’nuair a fhuair iad e. Bha ’n corp air a dhroch mhilleadh. ach dh’ aithnich na daoine cò bh’ ann. Bha cùirt air a suidheachadh an la air n-a mhàireach agus fhuaradh nach robh duine mu ’n rathad ri choireachadh air son an sgiorraidh. Tha e coltach gu robh e ag òl gu trom fad an fheasgair, agus gu ’n do chaidil e air an rathad gun fhios aige c’ àite ’n robh e. Bhuineadh e do ’n Bhras d’ Or bheag, agus bha e mu chòig bliadhna fichead a dh’ aois. TEINNTEAN.—Tha teintean mora ann am Michigan ’s am Minnesotta, agus iad ri sgrios uamhasach. Tha iad á nis ag obair o chioon còrr us seachdain, agus cha ’n eil àireamh air a mhilleadh a rinn iad. Cha ’n eil iad ach a toiseachadh ri fhaotainn am mach meud a challa. Thainig uisge trom oidhche Di-luain, agus chuir sin tilleadh anns na teinntein an cuid a dh’ àiteachan, ach ann an àiteachan eile tha iad og obair fhathast. Ann an aon àite mu shia mile fichead a dh’ fhad agus cóig mile deug a leud, cha robh tigh no stob fiodha de sheòrsa sam bith air fhagail, agus cha ’n eil taobh a thionndaidheas duine nach faighear cuirp dhaoine ’s ainmhidhean air an d’ thainig an teine cho grad ’s nach robh ùin’ ac’ air teicheadh. Tha iad a’ deanamh mach gu robh còrr us sia ceud gu leth duine eadar bheag us mhòr air an losgadh gu bàs. Thugadh tri fichead corp ’sa seachd á aon lochan uisge ann an cearna de Mhinnesotta, far an dech an sluagh bochd ’gan dion féin o’n teine. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 78] [Vol. 3. No. 10. p. 6] AN T-EIDEADH GAIDHEALACH. Aig an am so nuair a tha na Gàidheil a dusgadh suas gu bhi faicinn gur fiach cainnt agus cleachdaidhean an sinnsir a bhi air an cumail suas, cha chreid mi nach bi e freagarrach dhomh facal no dha a radh mu dheibhinn an Eideidh Ghàidhealaich, se sin am Feile-beag Gun ghuth a chantainn mu dheibhinn an “Cota a dh’ iomadh dath” a thug Iacob do ’mhac Ioseph tha mi ’n dùil gu’n d’ theid agam air a dhearbhadh gur e am Feileadh an t-aodach a bh’ air a chleachdadh le ar sinnsiribh cho fad air ais ’s a tha eachdraidh a dol. Ann an “Taigh-iongantais na h-Arsach” an Duneidionn tha leac, a fhuaradh aig Dull an Siorramachd Pheairt, air am beil dealbhan air an gearradh a mach de dhaoine air an comhdach leis an fheileadh. Tha leac eile ann a bh’ air a cladhach a mach as an talamh faisg air Eaglais an Naoimh Aindrea air am beil moran dhealbhan de ’n aon seorsa, agus aon diubh air muin eich. ’Se an t-armachd a tha iad a giulan claidhean air chumadh duilleig agus sleaghan le cinn dhuilleag. Nis tha fios againn gur ann sna linntean gle fhada air ais a bha armachd de ’n chumadh so air a chleachdadh. Anns an leabhar, “Alba anns na linntean meadhonach,” taobh-duilleag 226, tha e air innseadh dhuinn gu robh muinntir Alba mu na bliadhnachan 600 gu 700 “a caitheamh falluinnean a dh’ ionnadh dath, gu robh aca carbadan-cogaidh, claidhean, soithichean,—uil air an deanamh de ghlainne bàtaichean leathrach airson nan aimhnichean, agus birlinnean daraich airson na mara.” Chithear o so nach robh iad idir cho aineolach, borb, agus fad air ais aig an àm so ’s a bu mhath le iomadh neach a dheanamh mach. Ann am Manachainn àraidh an Nurenberg ’s a Ghearmailt tha leabhar, sgriobhta san t-seann Ghaidhlig, anns am beil dealbh ceann-feadhna Gàidhealach a bha beò mu ’n a bhliadhna 800. Tha e so air eideadh leis an fheile-bheag agus chithear dathan a bhreacan—gorm agus uaine. Nuair a phill Mànus Righ nan Lochlunnach o ’thurus cogaidh gu na h-eileanan an iar anns a bhliadhna 1093 bha e fein agus a luchd-leanmhuinn air an comhdach le aodach nan Gàidheal. ’S ann o so a fhuar e an t-ainm o luchd-duthcha fein “Mànus an t-Albannach” agus “Manus cas-rùisgte.” Air seulan nan Righrean so a leanas tha ’n dealbh aca air a tharruing anns an fheileadh direach mar tha e air a chaitheamh an diugh: Alasdair I. anns a bhliadhna 1107 Daibhidh I. 1124 Calum IV. 1153 An Abaid Phaisli air aon de na ballachan tha dealbh Gàidheal na làn aodach—féileadh air a cheangal le crios mu mheadhon, brogan Gaidhealach air a chasan agus bonaid is it air a cheann, direach mar a chi sinn san là ’n diugh. Nis feumaidh e bhi gu’m beil corr is coig ceud bliadhna o chaidh an dealbh so a ghearradh a mach. Anns a bhliadhna 1512 sgriobh Ian Major, Sassunnach, mar so. “O mheadhon na sliasaid gu ruig a chos tha an lurgainn ruisgte, tha iad ga ’n comhdach fein le falluinn.” Am measg chunntasan Ard-ionmhaisear na h-Alba airson na bliadhna 1538 tha aon airson deise Ghàidhealach airson Righ Seumas V. a chosd da phunnd air fhichead, sia tasdan diag agus sia sgillinn (£22.16.6) ni a tha sealltuinn gu’n robh an. Righ fein a cleachdadh an fhéilidh ’s na laithibh sin. Dh’ fhaodainn iomadh sgriobhadair eile ainmeachadh a tha deanamh iomradh air an fhèileadh a bhi air a chaitheadh cha ’n ann a mhàin anns a Ghaidhealtachd ach air iomadh cearn de ’n duthaich ris an abrair a nis a Ghalldachd, ach ’s cinnteach gu’n d’ thubhairt mi gu leòr gu dhearbhadh do na h-uile gu’m be am Féileadh an t-eudach a bh’air a chleachdadh le ar sinnsiribh fad iomadh linn, agus neach sam bith aig nach eil meas air airson aobhair sam bith eile dh’ iarrainn air urram na h-aoise a thoirt da. Ach faodaidh cuid-eigin fhaighneachd ciamar a thachair e gu’n do leig na Gàidheil dhiubh ’bhi cleachdadh deise bha cho freagarrach air an son. Cha ’n eil e duilich a cheisd sin a fhreagairt. An deigh Blàr Chuil-fhodair bha na h-uile meadhon a bha na ’n comas air a chleachdadh leis a Pharlamaid Shasunnaich gu cridheachan nan Gàidheal a bhriseadh buileach glan, agus ’s ann le mòr-dhoilgheas a dh’fheumas sinn aideachadh gu’n deach aca air so a dheanamh. Rinn iad achd airson na Gàidheil a dhi-armadh, agus achd eile leis an MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND &CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 79] [Vol. 3. No. 10. p. 7] robh an Deise Ghàidhealach air a toirmeasg, agus cha ’n fhaodadh gne thartain no suaicheantais eile bhi an cleachdadh leis am bitheadh aon chinneach aithnichte o chinneach eile. ’S e am peanas a bh’ air a dheanamh air an neach a bhris an achd so, ’bhi air a chur ’s a phriosan fad shia miosan, agus nan robh e air fhaotainn ciontach an dara uair bhitheadh e air fhogradh as an duthaich airson seachd bliadhna. Bha so na chruadal mor do na Gàidheil mar a tha Donnachadh Bàn ag innseadh dhuinn ann an “Oran nam briogaisean.” So da rann deth: So tha na briogsa liath-ghlas Am bliadhna cuir mulaid oirnn ’S e’n rud nach fhacas riamh oirnn, ’S nach miann leinn a chunuail oirnn; ’S na ’m bitheamaid uile dileas Do ’n righ bha toirt cuireadh dhuinn, Cha ’n fhaicte sinn gu dilinn A striochadh do ’n chulaidh so. ’S o’n chuir sinn suas na briogsan, Gur neo-mheasail leinn a chulaidh ud Ga ’n teannadh mu na h-iosgannan, Gur triobhlaideach leinn umainn iad; ’S bha sinn roimhe misneachail, ’S na breacain fo na criosan oirnn. Ged tha sinn am bitheantas A nis a cur nan sumag oirnn; ’S air leam gur h-olc an duais Do na daoine chaidh sa chruadal An cudaichean thoirt uapa Ge do bhuannaich Diuc Uilleam leo. Cha ’n fhaod sinn bhi suigearbach, O’n chaochail ar culaidh sinn, Cha ’n aithnich sinn a chéile La féile no cruinneachaidh. Bha corr is deich bliadhna fichead mu ’n deach an t-achd graineil so a thoirt air ais agus mar so bha ’n oigridh gu leir aineolach air an deise Ghaidhealaich, agus bha na seann daoine a chleachd i mun deach an t-achd a thoirt a mach aon chuid ro bhochd na ’n crannchur gu feillidhean ùra fhaotainn neo bha ’n spiorad air a bhriseadh air doigh ’s nach robh chridhe aca tionndadh ri ’n seann chleachdaidhean. Ach cha b’ ann dhiubh so a bha ’n bàrd Donnachadh Bàn. So rann no dhà bho ’n “Oran do ’n eideadh Ghaidheaclach” a rinn e ’n uair a rainig an naigheachd aoibhneach e mu thoirt air ais an achd:— Fhuair mi naigheachd as ùr Tha taitinn ri rùn mo chridh’ Gu faigheamaid fasan na dùthch’ A chleachd sinn air tùs ar tim. O’n tha sinn le glaineachan làn, A bruidhinn air manran binn So i deoch-shlainte Mhontrose A sheasadh a choir so dhuinn. Chunna mi ’n diugh an Duneideann Comunn na feile cruinn, Litir an fhortain thug sgeul Air toiseach an eibhueis dhuinn. Piob gu loinneil an gleus, Air soilleireachd reidh an tuim, Thug sinn am follais ar n-éideadh, A’s co a their reubail ruinn? Chuir sinne suas an deise Bhios uallach freagarach, dhuinn, Breacan an fhéile phreasaich, Is peiteag do’n eudach ùr; Cot’ a chadadh nam ball Am bitheadh a charnaid dlù, Osan nach ceangail ar ceum. ’Snach ruigeadh mar réis an glùn. Togaidh na Gàidheil an ceann, Cha bhi iad am fang nis mo, Dh’ fhalbh na speirichean teann Thug orra bhi mall gun lugh; Siubhlaidh iad fireach nam beann, A dh’ iarraidh dhamh seang le ’n cù ’S aotrom theid iad a dhanns Freagraidh iad srann gach ciùil Dhearbh mi mata gu ’m b’e am féileadh an deise a chleachd ar n-athraichean o chionn corr agus mile bliadhna air dhoigh ’s nach eil cothrom aig namhaid sam bith a radh le firinn nach eil ann ach ni ur a chaidh a thoirt a staigh ceud no dà cheud bliadhna air ais. Agus tha a cheart cho freagarach an diugh ’s a bha e anns na linntibh a dh fhalbh. Co riamh a dhirich gu mullach beinne air a chomhdach leis an fheile-bheag, a dh’iarradh brigis a chur air an ath turus a bhitheadh aige ris an ni ceudna a dheanamh; no co a bh’ air a chleachdadh ri bhreacan a shuaineadh mu ’ghunillibh agus a bhoineid ghorm a dhinneadh air a cheann ri am stoirm, nach cuireadh suarach cleocan mora agus adan cruaidhe an la ’n diugh! Ma bheir na facail so air neach sam bith tionndadh gu caoimhneil ris an fhéileadh theid mi an urras nach gabh e gu brath aithreachas. CABAR FEIDH. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 80] [Vol. 3. No. 10. p. 8] Marbhrann. Do Dhonnachadh Camaron an Antigonish (Dannachadh Shim) a chaochail air sn darna la deug de ’n Cheitein ’sa bhliadhna 1861. FONN:—“Mile marbhaisg ort, a shaoghail.” Air la ceutach, ciuin ’sa cheitein, ’N uair a b’ eibhinn snuadh gach ni, ’S gaithean eifeachdach na greine ’Tigh’nn nan leum le blaths is sith, Fhuair mi sgeul ’bu ghoirt r’a eisdeachd, B’ aobhar dheure anns an tir,— Gun robh Donnachadh ’sint’ air deile, Aig an eug gu teann fo chis. Och! a Bhais ’s tu ’n righ gun trocair; Co ’tha beo nach doir thu bhuainn? Naoidhein bheaga, thapidh, bhoidheach, ’S daoine breoite, sean nach gluais, Fiurain fhallain, laidir, chròdha, Agus oighean modhar, suairc’, Tha thu ’cur gach la a chomhnidh Fo na foidibh anns an uaigh. Leag thu ’n drasd le d’ shaighid chinntich Oigear siobhalta, gun phrois; Fleasgach foghainteach cruaidh, calma, Bu mhath dealbh, ’s bu glaine nòs. Bha e fiosrach tu i gseach ciallach, Glic na bhriathribh is na dhoigh, Ghabh e ’n ceartas mar a riaghailt, ’S chleachd e ’n fhialachd mar bu choir. Dh’ fhag thu sinn a fhleasgaich thaitnich; Is air ais cha till gu brath. Tha thu ann san uaigh an tasgaidh Ann an glacibh teann a bhais. Ged bhios ròs gu boidheach, cuachach ’Fas a suas ’sa mhaduinn bhlaith, Roimh mheadh’n latha faodidh cuairt-ghaoth Thoirt an nuas a dh-ionnsidh ’n lair. Leag am bas ur ghallan ceutach Duine beusach, measail, stauam; A thug fuath do sgleo ’s do dh-eucoir, ’S do chainnt bheumnach air cul sluaigh. ’Dhaoine bochda, bithibh deurach, Thug an t-eug deagh charid bhuaibh; Fear a gheibhteadh baigheil, deirceach, ’S cha b’ ann feineil, greannach cruaidh, Chi mi ghaoth a cur nan sineadh Dhiasan liontach trom san uair, ’S diasan caola, dona criona, ’Fas gu direach os an cionn, ’S tric tha daoine gasd’ a caochladh Mun doir aois air falbh an luths, ’S daoine crosda, don’ a faotuinn Air an t-saoghal moran uin’. Dh’ fhalbh thu, dh’ fhalbh oigeir aluinn De ’n dream laidir, chalma, threun; Camaranich ’bu doirbh ’san araich Leis na claidhean guineach, geur B’ ard an cliu ri am Shir Eoghan, Ard cheann-feadhna nam mor euchd; Gam bu tric an naimhdean uaibhreach Air an ruaig roimh chruas am beum, Ged bu taitneach leat ’bhi leubhadh Mu gach treun a b’ airde gloir, Bho do bhilibh binn ’chan eisd sinn Tuilleadh sgeul mu’n euchdan mor’ ’Chaoidh chan fhaic sinn thu mar b’ abhist, Suildbheir, failteach aig do bhor; Bu ghearr t’ uine ’san tir chraitich s’, Sgar am bas bhuainn thu ’s tu og. ’S truagh an cas ’sa bheil do bhrathair;— Gun thu ’n lathair! e leis fein! Chaill do pheathrichean taic laidir. Fo throm phramh tha iad nad dheigh. ’S tric na deoir air suil do mhathar ’S goirt gach la a h-aiceid cleibh; Fhuair i buille chruaidh no dha, ach ’S i so ’s craitiche gu leir. Ghabh thu cead an nis de ’n t-saoghal Le chuid fhaoineasan gun stàth; ’S theid gach aon ’tha fo na speuribh Ann ad dheigh an uine ghearr. Seall, a Shlanighear, an truas oirnn, Ghlan ar truailleachd bhuainn ad ghradh, ’S dean sin deas airson na h-uarach ’S an dig cruaidh ghath fuar a bhais. Oran Gaoil. Thoir soraidh bhuam a null air chuairt Gu bean an sguat-fhuilt reidh; As guirme suil ’s a’s buidhe cul;— Tha ’shnnadh air dhreach nan teud, Cul faineach, cas, nan iomad cleachd Mar dhealradh teachd o’n ghrein, Ochoin, mo chreach! ’Se dh’ fhag mi lag Thu bhi bhuam fad’ an cein. Ged ’s iomadh crois air mile troidh De phaipeir sgriobhaidh ban, Cho liutha lot tha ann am chorp,’ Ri osnaich ghoirt gach la, Gach sealladh suairc ’tha thu ’toirt bhuait, Bha buannachd dhuit mo ghraidh; ’S e gaol do phoig a rinn neo leon, ’S a dh’ fhag gun treoir mi ’n drast. Suil chaoimhneil, chaoin, fo mhala chaoil, ’S i ’tarruing gaoil ’s gach ait, Do dheud mar chailc, do ghruaidh lan mais,’ Gach tlachd tha ort a fas, Do chas o d’ ghlun bu ro-mhath luths ’S tu ’dol air urlar ard ’N trath ’chluinneadh tu na tendain ciuil, S grad dhuisgeadh tu o phramh. Thug mise luaidh ’s cha b’ ann am shuain Do gheug nan cuachan tlath; Gu ’m bi thu teachd gu ’m inntinn tric Is mi gun fhios de’m fath, Ma tha ’n so cuis a mhaireas buan Gur h-e is duais dhomh ’m bas.— O thig gun eis le o’ chomhradh reidh, Is cuir a’ m’ chre gach cradh. CRUITHNEACHD.—Air an fhoghar so bha seachd muillein tunna de chruithneachd air a thogail anns na h-Innsean. Tha tri cheud ceithir fichead us deich muillein buiseal anns na Stàitean, ’s leth-cheud muillein ’sa tri ann an Canada. Bha dùil ri bàrr breagha cruithneachd ann an Sasuinn cuideachd, ach toiseach Ogust thainig uisge mor agus stoirm, agus mhilleadh gu tur e. Ach nithear suas an call sin le pailteas an t-sil anns na dùthchannan eile. Cha chùran nach bi biadh pailt agus saor air a bhliadhna tha romhainn. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 81] [Vol. 3. No. 11. p. 1] Mac-Talla “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 15, 1894. No. 11 CUMADH AN T-SAOGHAIL. ’N uair a sheasas neach air àite leathann, réidh, no sheallas e mach air a mhuir, saoilidh e nach eil anns an t-saoghal so, air am beil sinn a tigh’nn beò ’sa gluasad, ach àite farsuinn, còmhnard, a’ ruith an ear ’s an iar ’sa tuath ’sa deas, agus ’nan coisicheadh e fada gu leòr gu’n tigheadh e gu oir na talmhainn agus nach b’ urrainn da dol na b’ fhaide. ’Si so a cheud bheachd a bha againn air uile ’n uair bha sinn ’nar pàisdean, agus b’ e ’m beachd ceudna bh’ aig a chinne-daonna air fad anns na ceud linntean. Bha iad a’ meas gu robh a ghrian o latha gu latha ’s o bhliadhna gu bliadhna, a’ toirt seachad a soluis ’sa blàthais a mhàin air son math sliochd Adhaimh, agus cha robh an t-adhar le ’uile reultan ’nan sealladh ach mar sgàile bòidheach air a chrochadh os ceann na talmhainn. Ach faodaidh sinn a dhearbhadh gu soilleir nach eil an saoghal idir còmhnard, mar a shaoil, agus gur ann tha e cruinn air cumadh ubhaill no orange. Anns an dùthaich a’s còmhnairde cha léir duinn taighean no craobhan na’s fhaid’ air falbh na ceithir no còig de mhìltean. Ma dhireas sinn gu mullach cnuic no gu bàrr tùir, bheir sinn fa-near moran nithean a tigh’nn am fianuis a bha as ar sealladh air an làr. Agus ma dhìreas sinn beinn àrd, chi sinn barrachd bhar a mullaich na chitheamaid bhar aon de na h-àiteachan eile. Mar a’s àirde dhìreas sinn, ’s ann a’s fhaide chi sinn. A rithist: na ’n rachadh tu ’s seasamh air an tráigh aig bonn creige, ’s gu’n tugadh tu fa-near siùil-àrda soithich eadar an cuan ’san t-adhar. ’Na ’n dìreadh tu a chreag chitheadh tu cha’n e mhàin na siùl, ach an soitheach air fad, agus dhearcadh tu, ma dh’ fhaoite, siùil eile na b’fhior fhaid air falbh, ’s nach faiceadh tu idir o’n tràigh gu h-iosal. ’N an seasadh tu treis ùine air a chreig, ag amharc air na soithichean, chitheadh tu an fheadhainn a b’ fhaid’ air falbh dhiubh ’s nach deanadh tu ach gann am fiaicinn an toiseach, a fàs na bu mhò. Chitheadh tu an toiseach barraibh nan crann ’s nan seòl, an sin na siùil, ’s mu dheireadh an soitheach gu h-iomlan. Theireadh tu gu’n do sheòl iad a nios thairis air oir an t-saoghail. Air an laimh eile bheir thu fa-near soithichean a bha faisg ort an toiseach, a seòladh air falbh, ’s mar a b’ fhaide rachadh iad uat ’s ann bu mhò rachadh iad as do shealladh, gus mu dheireadh nach faiceadh tu mir dhiubh. ’N uair bheir thu fa-near na nithean so uile, tuigidh tu nach urrainn an saoghal a bhi còmhnard, oir na’m b’ ann mar sin a bhitheadh, cha rachadh na soithichean as àn t-sealladh mar a ni iad. ’S ann tha ’n saoghal ’na chorp mor cruinn, agus ’nuair tha sinne gluasad air ’uachdar, tha sinn mar gu’m biodh cuileagan a coiseachd air poncan, no air cnap cruinn sam bith. Cha’n fhaic iad ach astar goirid uapa do bhrigh cruinnead an ni air a bheil iad. Mar thuilleadh dearbhaidh air gur h-e so cumadh an t-saoghail, ma dh’ fhalbhas neach á àite sam bith ’s gu’n lean e air adhart air an aona clùrsa thig e air a cheann mu dheirradh a mach aig an dearbh àit o’n d’fhalbh e. Na falbhadh fear-turuis à Sasuinn no à Alba ’s gu’n cumadh e aghaidh a ghnàth ris an àirde n iar, mus stadadh e, ruigeadh e Sasuinn no Alba a rithist. Chaidh so a dheanamh uair us uair; agus fhuair an luchd turuis am fearann ’san cuan anns gach ceàrna mar chithear anns an dùthaich so féin, ag aomadh uap’ air gach taobh, nithean a tighinn ’n am fradhrac no dol as am fianuis mar a bhiodh iad a tighinn faisg orra no dol fada uapa. Bidh e car doirbh le cuid a chreidsinn gur corp cruinn an saoghal, a thaobh gu bheil ann an iomadh àite am fearann gle bhristeach agus neo-chómhnard, làn de bheanntaidh àrda ’s de ghlinn dhomhainn. Ach cha’n eil an neo-chòmhnardachd sin a deanamh atharrachadh sam bith air cruinnead an t-saoghail. Amhairc air ubhall no air orange agus chi thu an rùsg làn de chnapan beaga meanbha nach modba na pluc prìona; ach cha’n eil iad idir a cumail na h-ubhail no na h-orange o bhi cruinn. Air a cheart dòigh tha ’n saoghal cho mor ’s nach eil na beanntan a’s àirde air uachar ach mar chaapan beaga. Tha an saoghal anabarrach mor; na’n rachadh aig soitheach air seòladh air cùrsa direach ceithir-thimchioll air, bheireadh i àireamh mhiosan air an turus. Neo na’n b’urraiun an carbad iaruinn ruith air an astar cheudna, ’se dheanamh da fhichead mile ’s an uair, bheireadh e mios a ruigheachd an àit o’n d’ fhalbh e. Chaidh aig na reuladairean air an talamh a thomhas, agus fhuair iad nach eil e uile gu léir cruinn, ach gu bheil e beagan na’s tiugha air aon rathad na tha e air rathad eile. Ri thomhas troimhe eadar an da cheann, ’se sin eadar an ceann a tuath ’s an ceann a deas, tha ann beagan a bharrachd air seachd mile ochd ceud ’s ceithir fichead mile ’sa naoi deug (7899); agus ri thomhas air an rathad eile, troimh ’n àite ’s an tiugha e, tha ann seachd mile naoi ceud ’s còig mile fichead (7925). Ri dhol ceithir thimchioll air an t-saoghal dh’ fheumamaid astar ceithir mile fichead, ’s naoi ceud sa dha (24.902) de mhìltean a dheanamh. Coisich deich no dusan mile lath’-eigln, agus feuch ri dheanamh mach an uair sin de’n ùine bheireadh tu air a dhol ceithir-thimchioll an t-saoghail. A. B. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. [TD 82] [Vol. 3. No. 11. p. 2] DONNCHA CAIMBEUL. BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK. II. (Air a leantuinn.) Dh’ fhuirich e mois do ’dha ann an aite d’ am b’ ainm Dewar, far an robh, na’m b’fhior an sgeul, tannasg piobaire a’ tathaich; chaidh am piobaire a chur gu bas moran bhliadhnachan roimh an am ud, agus air mhodh eigin a dh’ fhuirich riamh ’n a dhiomhaireachd; agus b’ ainmig oidhche anns a’ bhliadhna nach robh am piobaire air a chluinntinn no air ’fhaicinn le cuideigin timchioll an tighe. Bha a leaba aig Donncha ann an oisinn de ’n bhathigh, agus bha e air a sharuchadh gu h-eagalach leis a’ phiobaire. Bhiodh e ’g a chluinntinn gu tric a’ sgriobadh am measg nan taobhan agus nan sailean, agus air uairbh a’ ròcail mar gu ’m biodh neach a’ tilgeadh na h-analach, no mar mhart ’g a tachdadh anns an nasg; ach fa dheireadh, air oidhche araid chunnaic e am piobaire ri a thaobh, ni a chuir a leithid de uamhas air a’s gu’m b’ eigin dha an t-aite ’fhagail, an deigh dha ’bhi re ioma latha ann an tinneas fiabhrusach. Bheir sinn an sguel so ann am briathraibh Dhonncha fhein, mar ’bu tric a bha e air ’aithris leis: “Air feasgar araid, air dhomh a bhi ag iomain cruidh gu mullach Willenslee, thuit an oidhche orm mu ’n d’ fhuair mi air m’ ais. Bha mi a’ smaointeachadh ’s a’ smaointeachadh cho cruaidh-chridheach ’s a bha e, am piobaire bochd a mharbhadh—a theanga ’ghearradh a mach as a bheul, agus a throimh-lotadh o’n taobh-chuil. Smaointich mi nach b’ iongantgch ged a ghabhadh a thannasg gu ro dhona e. Ann am priobadh na sul, thug mi fainear solus air thoiseach orm. Shaoil mi gu’n robh an t-slatag a bha ’n am laimh ri theine, agus thilg mi air falbh i, ach chunnaic mi an solus, a’ snamh gu h-athaiseach seachad air mo chois dheis agus a’ dearrsadh air mo chulthaobh. Cha robh dad de eagal orm, agus thionndaidh mi mu’n cuairt a shealltuinn air an t-solus, agus ciod a chunnaic mi ach am piobaire ’n a sheasamh lamh rium air mo chulthaobh, agus air dhomh tionndadh mu’n cuairt, sheall e direach ’n am aodann. Bha e coltach ri corp marbh; ach cha d’ fhuair mi ach plathadh dheth; oir ann in tiota dh’fhas gach ni mu ’n cuairt dhomh cho dorcha ri slochd! Dh’ fheuch mi ri ruth, ach thuit mi ’n am ghlag air an lar, luidh mi sios ann an seorsa de dhùiseal, cha ’n fhios cia cho fada ’s a bha mi ’n am shineadh; ach ’n uair a thainig mi thugam fein, dh’eirich mi agus dh’ fheuch mi ri ruith, ach cha tugainn da cheum gun bhi ’n am shineadh a rithist. Cha robh mi ceud slat o’n tigh, agus tha mi lan chinnteach gun d’ fhuair mi corr agus ceud leagadh mu’n d’ rainig mi e. Air an la ar-n a’ mhàireach bha mi ann an ard fhiabhrus; rinn na searbhantan leaba air mo shon ann an oisinn de ’n Chidsin, far an robh mi’n am luidhe re mhoran laithean, a’ fulang gach oidhche fo eagal agus fo uamhas, a’ sior shaoilsinn gu ’n robh an piobaire a’ cromadh tharam air an aon taobh no air an taobh eile. Cho luath agus a fhuair mi comus gluasaid dh’ fhag mi Dewar; ach fada na dheigh sud, cha b’ urrarnn dhomh codal am aonar ’s an oidhche, no fuireach ro fhada leam fhein eadhon re an latha.” III. Bha beachdan saobh-chreideach air an deargadh air inntinn Dhonnchai leis a’ choinneamh mhi-fhortanach a bh’ aige ri tannasg a’ phiobaire dheth nach d’ fhuair e cuibhte (a reir coslais) am fad ’s bu bheo e; ni a tha ’nochdadh an curam agus an fhaicill a bu choir a bhi air an cleachdadh ann a bhi a’ toirt cumachd do mhaoth-bheachdan inntinn na h-oigridh. Is e teisteas Ciobair Ettrick mu Dhonncha, nach b’ aithne dha riamh neach air an robh uiread do eagal roimh bhocain anns an dorcha. Bha a leithid de bhuaidh aig na faoin-bheachdan ud air ’fhaireachduinnean agus air a bhreithneachadh, agus nach bu chomasach dha am fuadach air falbh eadhoin le solus a reusain agus a thuigse. Cho luath agus a chiaradh am feasgar, bhiodh e an comhnuidh a’ sealltuinn a mach airson nan creutairean diomhair ud aig nach robh bith an taobh a mach d’ a mhac-meamna fein, le suil eudmhoir amharusaich air gach tom agus preas, air eagal gu’m faodadh iad a bhi ri feall-fholach ’n am measg, ullamh gu leum a mach ’n a dhail ann an tiota. Na’n coinnicheadh e ri neach anns an dorcha, no na’n cluinneadh e fuaim obann air bith, bu leoir e gu a chainnt a thoirt uaithe car uine. Air dha Dewar fhagail, bha e car greis air seabhaideachd bho aite gu aite. Bu choltach gu’n do choisinn e cairdeas agus comhfhulangas an t-sluaigh air sgath ’oige, a mhaise, a chrannchur aimbeartach, faondrach, agus an gradh a bh’ aige d’ a chompanach dileas, Oscar; oir mar bu bhitheanta, bha furan agus caoimhneas air an nochdadh dha anns gach aite air an tugadh e ’aghaidh. Bha cuimhne aige air ainm ’athar agus ’aite comhnuidh; ach mar nach cuala an sluagh air an robh e a tathaich ionradh riamh air aon seach aon dhiu, cha robh a’ bheag de shuim aca do ’n chuis. Dh’ fhuirch e faisg air da bhliadhna ann an aite d’ an goirte Cowhaur, gus an d’ thug creutair suarach a bu chompanach leapa dha, droch laimhseachadh dha, air dhoihh cur a mach air a cheile. Aan an spiorad feirge agus dioghaltais, dhirich Donncha a dh’ ionnsuidh an lobhta, ghearr e ad, brogan agus cota sabaid a chompanaich ’n an stiallan, agus dh’ fhag e an t-aite mu ’n d’ thainig an oidhche. Bha e air allaban car uine ’n a dheigh sud feadh nan tuathanach timchioll na Tweed agus na Yarrow; ach thainig an caithe-beatha ud gu bhi anabarrach neo-thaitneach dha. Cha b’ urrainn dha cadal leis fein, agus cha bu toigh leis na seirbhisich, mar ’bu bhitheanta, balach fuadain le ’chu a ghabhail mar choimhleabach. Air feasgar fliuch, mu dheireadh an fhogharaidh, thainig Donncha gu tigh m’ athar; cha robh a’ bheag de aodach uime ach seann chota dubh a rinneadh do nach eigin a b’ airde na esan, agus a bha ruigheachd gu ’shailtean; bha ’fhalt riobagach, caisreagach, agus air ’fhailceadh leis na siontan; ach bha ’aodan urail, eireachdail, agus a’ taisbeanadh comharraidhean soilleir air fallaineachd cuirp, agus air cridhe faireachail agus toinisgeil. Bha Oscar ach beag cho mhor ris fein, agus air dath an t-sionnaich, le stiall gheal ’n a aodann, agus cearcal geal mu’ amhaich—cha ’n fhaca mi riamh cu-chaorach eile a b’ eireachdala. Thalaidh mo chridhe ri Donncha a’ cheud sealladh a fhuair mi dheth, agus ghuil mi le aoibhneas ’n uair a chunnaic mi an caoimhneas a nochd mo pharantan dha. Ghabh mo mhathair a leithid de thlachd dheth, agus gu’n robh a’ chuid bu mho d’ a h-uine air a toirt suas car laithean ann an conaltradh ris. Bha mise gu bunailteach ’n an cuideachd [TD 83] [Vol. 3. No. 11. p. 3] ag eisdeachd le ioghnadh ri eachdraidh gach allabain troimh an deachaidh e. Cha b’ fhada gus an robh mo pharantan cho uigheil uime agus ged a bu mhac dhoibh fhein e. Sgeadaich iad e le deise ur do dhrogaid ghorm, agus cheannaich iad dha boineid bheag Ghaidhealach, anns an robh e a’ sealltuinn cho ionghradhach, agus nach bu tamh no fois dhoibh e uamsa, gus an d’ fhuair iad dhomh leth-bhreac boineid Dhonnchai. Bha gach ni a theireadh no a dheanadh e, a reir mo bheachdsa, ’n an eiseimpleir dhomh; oir ghradhaich mi e mar mo bheatha fein. Air ’iarrtas, dh’ aslaich agus fhuair mi cead cadal leis, agus b’ ioma latha agus oidhche sholasach a chuir mi seachad le Donncha agus le Oscar. Cho fad ’s is cuimhne leam, cha b’ aithne dhuinn uireasbhuidh do sheorsa air bith; bhiodh ar sonas iomlan, mur bhith na bha do eagal oirnn roi na spioraid. Na ’n tachradh dhuinn toiseachadh air seanachas mu Phiobaire Dhewar, mu Mhaighdean Phlora, no mu Mharsanta-siubhail muillinn Thirlestane bu tric a luidh sinn le ar cinn fo’n aodach gus am bitheamaid an impis a bhi tachdte. Bu toigh leinn na sithichean agus na glaistigean; bha sinn rud-eigin baigheil ris na maighdeanan-mara, air sgath an aillidheachd fein, agus binneas an cuid oran; ach bha sinn rud-eigin amharusach mu na h-eich-uisge, agus cha bu toigh leinn dol ro dhluth air na puill eagalach anns an robh iad a’ tuineachadh. Bha fuath cridhe againn do ’n diabhul, ged nach robh mor eagal oirnn roimhe; ach tannasg! Oh! uamhas nan namhasan! Bha fuaim bocain, tannaisg no spioraid, mar bheum cluig leirsgrios ’n ar cluasan, agus a’ dol troimh ar cridheachan mar shaighdean fuar a’ bhais. Bha Donncha a’ buachailleachd spreidh m’ athar re an t-samhraidh; bha mise gu bunailteach ’n a chuideachd—cha b’ urrainn sinn fuireach dealaichte bho cheile. Dh’ fhas sinn cho ealanta air iasgach ’s nach rachadh na bric bhallach as oirnn a dh’ aindeoin am furachrais agus an seoltachd. Bu tric a chuir sinn seisdeadh ri aiteachan comhnuidh nan seileinean fiadhaich, agus a spuinn sinn iad dheth an ionmhasan millis, ged nach b’ ann gun fhios c’ arson. Bha na sgeapan cho lionmhor air feadh nan ailein agus gu ’m faighte iad fo gach spagh fheoir agus anns gach tuilmein. Na ’n tachradh dhuinn ionnsuidh a thoirt air sgeap anns am biodh lan-reisimeid, cha b’ ainmig a b’ eiginn dhuinn an ruaig a ghabhail gun chomharradh buaidhe no cobhartach. Bu tric le Oscar a bhi ’g ar cuideachadh anns gach iorghuill de’n t-seorsa ud, agus mur tuiteadh d’ a naimhdean dol an sas ’n a tharr no fo ’earbull, b’ esan am fear mu dheireadh de ’n triuir a ghabhadh an teicheadh. Cha chuimhne leam gu ’m faca mi riamh sealladh eile a b’ abhachdaiche na bhi faicinn Oscair air a chuairteachadh le neul dumhail de sheilleinean fiadhaich, agus e a’ cuibhleadh mu ’n cuairt, a tiolpadh thall ’s a bhos, agus a’ sior-chrathadh a chluasan. Bha aig Oscar tomhas do gheire thoinisgeil a bha ach beag dochreidsinn; mar sheirbhiseach dileas, bha ’mhisneach agus a shuairceas eiseimpleireach eadhoin do chreutair reusanta. Da uair, thiorc e beatha Dhonnchai; aon uair, bho ionnsuidh a thug tarbh guinideach air, agus uair eile a thuit e thar eich bho chulthaobh m’ athar ann am meadhon aibhne, agus i ’n a lan thuil. Shnamh Oscar a null air thoiseach orra. cha bu luaithe a thuit Donncha, na a leum Oscar a mach as a dheigh; air a’ cheud sathadh rug e air boineid Dhonnchai, ach dhealaich a cheann rithe, ghrad-leig e as i, agus air an ath ionnsuidh fhuair e greim air coileir a chota agus shlaod e gu traigh e. Dhuisgeadh e Donncha gach maduinn aig an sm shuidhichte; thilleadh e an crodh gun ordugh, gun ughdarras, na ’m faiceadh e iad a’ dol cearr. Na ’n tuiteadh an sgian á laimh Donnchai, ghiulaineadh Oscar ’n a bheul i. Na ’n cuirte air falbh e an toir air ni air bith a rachadh air chall, dh’ fhaodte bhi cinnteach nach tilleadh e gun ’fhaotainn. Aig sia bliadhna deug a dh-aois, an deigh dha bhi a dha no tri laithean gu tinn, bhasaich e air oidhche araid fo leaba ’mhaighistir. Mu fheasgar, ’n uair a thainig Donncha a stigh bho an treabhadh, thainig e mach bho ’ionad-foluich, chrath e ’earbull, dh’ imlich e lamh Dhonnchai, agus chaidh e air ais gu leaba a bhais. Rinn Donncha agus mi fein caoidh air a shon le bron gun cheilg; thiodhlaic sinn e aig bun craobh chaorainn air taobh cuil garaidh m’ athar; chuir sinn suas clach cheithir-chearnach aig a cheann, agus an uair mu dheireadh a bha mi anns an aite, fhuair mi i’n a seasamh, direach mar dh’ fhag sinn i. Le mor shaothair, rinn sinn suas rannan cuimhneachain eadaruinn, a ghearr sinn air a’ chloich. Bha an ranntachd gle mhath, ach bha a’ chlach cruaidh agus an grabhaladh cho eu-domhain, agus gu ’m hheil na litrichean, cosmhuil ri solasan ar-n oige air an dubhadh a mach agus air dol as an t-sealladh. (Ri leantuinn.) C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 84] [Vol. 3. No. 11. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton SIDNI, SEPTEMBER 15, 1894. THA tri cuideachdan ceannachd air an cur ’s an lagh ann am Montreal aig riaghladh Canada air son a bhi ri mealltaireachd air na taighean cuspuinn a thaobh bathair a bha iad a faotainn, ’s air an robh cìs ri phàigheadh. Tha air fhàgail orra so gu robh iad a cleith fiach a bhathair, agus mar sin an còir o luchd na cuspuinn. Tha ’n riaghladh ag agairt ceud mile dollar agus ma théid a chùis an aghaidh nan ceannaichean, feumaidh iad sin a phàigheadh, agus faodar am peanasachadh gu trom a bharrachd air sin. THA’N cogadh eadar China us Japan a’ dol air adhart, ach cha’n eil a bheag tuilleadh ri rádh da thaobh. A réir coltais cha’n eil iad ach ag ullachadh air son cogaidh. Tha iad a’ cur blàr beag an dràsda ’sa rithist, ach mar a’s trice, cha’n eil call mor no buinig mhor air taobh seach taobh. Bha ceann-bhaile Chorea roimhe so aig na Chinich, ach thug na Japanich uap e o chionn ghoirid le fior beagan sabaid, ’s tha e aca fhathast. Tha e air aithris gu bheil muinntir Japan air son séisd a chur ri Pikin, ceann bhaile China, agus gu bheil eagal gu leòr air Iompaire ’s air riaghladh China gu’n toir iad an ionnsuidh. So rud a thainig d’ar n-ionnsuidh á Mira, ge b’e co-thuigeas e. “Oiche Shathurna chunnacas duine á tir nam braoilleagan, ’s fideag aige a toirt caismeachd do dhaoine ma’s ruitheadh e sios iad.” THA ’n t-uisge anns na h-aimhnichean St. Lawrence agus Ottawa anabarrach iosal aig an àm so, cho iosal ’s nach fheil na h-acarsaidean gu leòr air son soithichean mora dhol thun nan laimhrigean ach a mhain ’n uair tha ’n làn a stigh. BHA maor de’n ainm Donnacha Mac Rath, à’ glacadh duine aig French River, Ont., an la roimhe, ’s thug bràithrean an fhir a bha e ’glacadh an sàs ann. Anns an t-sabaid a bh’aca, thug fear dhiubh ionnsuidh air daga bh’ aig Mac-Rath a spionadh as a laimh; dh’ fhalbh an urehair ’s chaidh am peilear na cheann, ’ga mharbhadh far an robh e. Minards Liniment air son Loine. O’n Amhuinn Mheadhonaich. Tha buidhnean d ’ar n-òigridh an dràsd a’ dol gu tric dha na fàsaichean air chùl nan Narrows Bheaga agus Margarae, a chruinneachadh nan dearcan-gorma. Tha iad ag radh gu bheil iad cuimseach pailt. Cha’n eil cion stòraichean òirnn a nis A bhàrr air na bha ri marsantachd ’nar measg roimhe so, tha Mr. Tormoid Domhnullach air stòr ùr a thogail anns am beil e ’cumail gach seòrsa bathair tha feumail bhi ann an stòr air an duthaich. Tha na h-uile earbsa againn gu’n dean e gu math. Shearmonaich an t-Urr. Eachunn Mac Gilleain, á Acadia Mines, N. S., anns an eaglais againn air an 12 mh la de dh’ Ogust, agus air an 19mh la, shearmonaich an t-Urr. Alasdair C. Mac Gill-fhinnein, agus an t-Urr. Niall C. Mac Gill-fhinnein air an 26mh la. Is bràithrean an dithris mu dheireadh a dh’ ainmich mi, agus bha iad air chuairt a coimhead am màthar, bean Choinnich ’Ic Gill-fhinnein, an t-eildeir. Tha i glé iosal ’na slàinte, agus cha’n eil mor choltas gu’n téid i am feabhas. Cha robh a beatha diomhain ’nuair a thog i an dithis mhac ud a bharrachd air ceathar eile de thiaghlach nach eil a bheag air deireadh orra ann an cliù no ’am buadhan. Bha iad uile aig an tigh air a mhios so. Chaidh an triùir mhinistearan so a bhreith us àrach air an Amhuinn Mheadhonaieh, agus tha iad, araon an Gàilig ’s am Beurla, ’nan searmonaichean cho pongail, cho comasach, ’s cho dùrachdach ’sa gheibhear ’an àite sam bith. E—. THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 85] [Vol. 3. No. 11. p. 5] NAIDHEACHDAN THUIT deàrsach mhath uisge air Di-màirt. Bha ’n dùthaich glé fheumach air uisge; bha’n talamh air fàs gu math troram. FHUAIREADH corp duine anns an Acarsaid Bhig am Pictou Di-luain s’a chaidh. Cha n-eil fhios co e, ’s cha mho tha fios ciamar a thainig e gu bhi far an d’ fhuaradh e. THAINIG dithis dhaoin’ òga, dlùth chompanaich dhà chéile, ri’m beatha féin ’am Montreal an là roimhe, mu’n aon àm. Mharbh fear e féin le urchair; agus bhàth am fear eil’ e féin anns an amhuinn. BHA ’n Comanachadh ann am Mira air an t-Sàbaid s’a chaidh aig Marion Bridge. Bha cruinneachadh mor sluaigh ann. Bha ’n t-Urr. Mr. Calder air a chuideachadh anns an t-seirbheis leis an Urr. Mr. Forbes, Shidni, MORAN taing do “Lamh Laidir” air son a bhadain fraoich a chuir e d’ ar n-ionnsuidh ’na litir. ’Se a cheud bhadan fraoich a fhuair sinn riamh, ’s tha sinn ’ga ghleidheadh gu cùramach. Gu ma fada beò “Làmh Làidir.” CHAIDH tigh ’na theine ann an Kamouraska, ’an Quebec, air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh ceathrar dhe na bha ’n chòmhnuidh ann a losgadh gu bàs. Thug a ghaoth an teine gu tri taighean eile, ’s chaidh an losgadh gu làr. CHAIDH dithis iasgairean de’n ainm Lewis agus Dunn a thogail á bàta beag air cladach Newfoundland an la roimhe, an déigh dhaibh a bhi air chall air an t-soitheach anns an robh iad ag iasgach fad shia latha. Cha mhor nach robh iad air toirt suas. THA sinn fada ’n comain nan càirdean a chuir an t-airgiod air adhart, ’s tha sinn an dòchas gu’n cuir cach air adhart an cuid fhèin an ùine ghoirid. Ged nach e MAC-TALLA ’m paipear a’s mo th’air an t-saoghal, tha cosgais mhor an co-cheangal ri chur am mach. FHUAIREADH fear Uilleam Connolly marbh ’na leaba ann an Charlottetown, ’sa mhaduinn Di-haoine an 7mh latha. Air dha bhi dol a laidhe an oiche roimhe sin, fuair e eunluch ’san rùm, agus thatar a deanamh mach gu’m b’e ’n clisgeadh a ghabh e a dh’ aobharaich a bhàs. THAINIG sgùla mor de sgadan gu cladach ann an Clam Harbour, N. S., air a mhios a dh’ fhalbh, ’s chaidh moran dhiubh a ghlacadh. Tha cuid a deanamh dheth gu’m b’ e so an sgùla b’ àbhaist a bha tighinn gu cladaichean Cheap Breatunn, agus nach d’ thàinig air an fhoghar so idir. THA iasgairean nan ròn an deigh tairgse nan Stàitean a ghabhail, agus bidh an t-suim ($425,000) air a pàigheadh cho luath ’sa shuidheas tigh-pàrlamaid na dùthcha sin. Bha na h-iasgairean an toiseach ag iarraidh seachd ceud mile dollair ($700,000), ach saoilidh sinn gu faod iad a bhi toilichte leis an t-suim a chuireadh ’nan tairgse. CHAIDH fear Iain Mac Neacail a bhàthadh aig Aspy Bay an la roimhe, Bha e fhéin us dithis eileann am bàta, ’nuair a thàinig oiteag gaoithe a chuir thauis e. Chaidh bàta chuir o thir ’g an cuideachadh, ach mu’n d’ rànaig e, bha esan air dhol fodha. Fhuair an dithis eile cumail air uachdar an uisge, gus an d’ ranaig am bàta. CHAIDH muillean-chloimhe le MacAoidh & Brine ann an Antigonish a losgadh gu làr maduinn Di-dòmhnaich. Chaidh na h-innealan càrdaidh ’s na h-innealan sniomhaidh a mhilleadh gu tur. B’ fhiach a mhuilleann ’s na bh’ innte mu ochd mile deug dollair, ’s cha robh ach deich mile dollar de dh’ airgiod-urrais oirre. CHAIDH carragh a chur suas ann an Springhill an la roimhe mar chuimhneachan air na daoine ’chaill am beatha leis an sgiorradh a thachair anos a mhéinn air a cheud latha dhe’n earrach, 1891, sia ficheadh duine ’sa còig. Bha àireamh de dhaoine mora na dùthcha a làthair, agus rinn cuid dhiubh òraidean freagarrach do’n àm. Chosg an carragh $3.500. CHAIDH Tearlach E. Robertson, ceannaich bh’ ann an Charlottetown, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Summerside ’sa mhaduinn Dlor-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e feuchainn ri leum air bòrd a charbaid, ’s e air ghluasad, ’s thuit e fodha. Bha a dha chois air am prannadh ’s air an gearradh gu h-eagallach, ’s cha robh e beò ach ùine glé ghoirid. Bha còig mile fichead dollair de dh’airgiod-urrais air a bheatha. CHAIDH dithis dhaoine mhùchadh gu bàs ann an tobar ann an Newport, R. I., Di-luain s’a chaidh. Bha fear dhiubh air son an tobar a ghlanadh, agus air dha dhol sios ann, thuit e, gun, smid a ràdh, dh’ an uisge. Bha ’n duin’ eile faisg air làimh ’s chaidh e sios g’ a chuideachadh, ach ’s ann a chaidh e féin air an aon dòigh. Cha robh an tobar air fhosghladh, cha’n eil fhios c’uin, agus bha àileadh cho don’ ann ’s gu’m marbhadh e creutair sam bith. Iadsan a Phaigh. D. R. Mac Cuaig, Kirk Hill, Ont. A. Mac Cuaig, do., do. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrews, N. S. Bean Iain ’Ic Gilleain, Eilean Phictou, do. Iain Peutan, San Francisco, Cala. F. A. Gemmel, Selkirk, Manitoba. I. I. Mac Phi, Little Sands, E. P. I. Calum Mac Ille-ghuirm, do. Aonghas Buchanan, Marsh Lake, C. B. Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines. Niall I. Domhnullach, Irish Cove (50c). Gilleasbuig Gillios, Gleann-nan-Sgiathanach. Michail S. Mac Neill, Gleann Bharra. Murcha Mac Coinnich, Sidni. Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien. D. F Mac Aidh, Tairbeart, St. Ann’s. Seumas Mac Neill, Middle Cape. D. B. Mac Mhaighstir, Creignish. D. I. Mac Isaic, Edwardsville. (25c). F. D. Mac Gill-fhinnein, Vancouver, B. C. Bidh tuilleadh ainmean anns an ath àireamh. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 86] [Vol. 3. No. 11. p. 6] PAT O’CONNOR. Chaidh duin’-uasal, Sasunnach àraidh, air tìr ann an Eirinn, agus chuir e fastadh air gille óg, tapaidh a thachair air d’ am b’ àinm Pat O’Connor, gu bhi ’dol maille ris air feadh na dùthcha. Thòisieh am Maighstir agus esan air comhradh r’a chèile anns na briathraibh a leanas. MAIGH.—An i do bharail gu’n dean e an t-uisge an diugh, oganaich? PAT.—Tha mi cìnnteach gu’n dean e an t-uisge uaireign, ach cha’n fhios domh cuin. MAIGH.—Tha e eu-cosmhuil ri uisge ’san àm, oir tha ’ghrìan a’ sòillseachadh gu h-àillidh. PAT.—Tha gun teagamh. Gidheadh cha’n ’eil i a’ deanamh ach an ni a’s coir di. Ciod tuilleadh am feum a ta innte? MAIGH.—Ciod an ùine a bha thu maille ris a’ Mhaighstir a dh’ fhàg thu? PAL.—Air m’ onair, cha’n urrainn mi innseadh. Chuir mi m’ ùine seachad cho toilichte ’na sheirbhis ’s nach do ghléidh mi cùnntas air. Dh’ fheudainn teachd beò maille ris uile làithean mo bheatha, agus mòran ni b’ fhaide n’an tograinn fein. MAIGH.—Carson a dh’ fhàg thu e, ma ta? PAT.—Do bhrigh gu’n do ghabh mo Bhan-mhaighstir ’n a ceann mo chridhe a bhriseadh. Cha tugadh i tàmh dhomh a là no dh’ òidhche ach ’g am chur thàll ’sa bhos, a dheanamh sud ’sa so, air chor ’s nach robh innleachd agam a bhi beò ni b’ fhaide maille rithe. MAIGH.—An ann mar sin a shàruicheadh thu, ged tha thu ag ràdh gu’n robh thu cho toilichte agus sona? PAT.—Bha mi cho aoibhneach ’sa bha’n là cho fad. MAIGH.—Nach robh do Mhaighstir ’n a dhuine ro uaibhreach àrd ìnntinneach? PAT.—’’Se bha. An duine is uabhraiche ’san rioghachd air fad, oir cha deanadh e gniomh suarach, salach, ged a gheibheadh e dha fein an cruinne-cé mu’n iadh a’ ghrian. MAIGH.—Ciod a’s aois duit a nis, mo ghille tapaidh? Cia lìon bliadhna tha thu? PAT.—Tha mi dìreach ’san aon aois ri Morgan Finnigan. Rugadh sinn ’san aon là, agus air duinn a bhi seachduin a dh’ aois, tha cùimhne agam gu’n do bhaisteadh cuideachd sinn leis an aon uisge. MAIGH.—Gu’n teagamh is maith do chùimhe, oganaich; ach iunis domh, ma ta, ciod a’s aois do Mhorgan Finnigan? PAT.—Cha’n urrainn mi ìnnseadh, agus a réir mo bharail, cha’n ’eil e a’n comas do Mhorgan fein a’ cheisd sin a fhreagairt. MAIGH.—An ann a’m Baile-cliath, ma ta a rugadh tu? PAT.—Cha’n ann idir. Dh’ fheudainn a bhi air mo bhreith anns a’ bhaile sin n’an tograinn fein, ach b’ fhearr leam an dùthaich; agus ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, agus ma bhios deagh ghiùlan agam, bheir mi an aire gu’n adhlaicear mi ’san sgìreachd far an d’ rugadh mi. MAIGH—Ro cheart, ro cheart,—tha mi ’faicinn gur tapaidh an diùlnach thu, agus gur ainneamh do leithid; ach innis domh an dean thu sgrìobhadh? PAT—Sgrìobhadh! Is mise a ni, agus ni mi gu h-ealant’ e,—ceart co luath ’sa ruitheas am miol-chù an déigh an fhéidh air an raointibh. MAIGH.—Ach a nis innis domh ciod an seòl cumanta air an téid neach air thuras troimh an dùthaich bhòidheach so? PAT.—Ma ta, a’ Mhaighstir choir, tha ’chùis dìreach mar so,—ma théid thu air muir, feumaidh tu ’dol air luing sheòlaidh no air toit-long; ma théid thu air tìr feumaidh tu dol air carbad, no air muin eich; ach mar ròghnaich thu aon dhiubh sin, cha’n ’eil ann duit ach na casan a ghabhail, agus coiseachadh mar a’s feaar a dh’ fheudas tu, gus an ruig thu ceann do shlighe, biodh i fad no goirid. MAIGH.—An deachaidh thu fein riamh astar mòr air do chosaibh? PAT.—Is mi neach deachaidh. Cha do choisìch mi riamh a mach air tri no ceithir cheud mìle a null tarsuing air an rioghachd; ach rinn mo chomhaois Morgan Finnigan Eirinn a choiseachd o cheann gu ceann, gun bhròg air a chois, gun bhonaid air a cheann, agus gun snàthainn eudaich air a dhrùim, ach beagan luideagan reubta, salach, a bha ’gabhail beannachd le aon a’ chéile. MAIGH.—Mo thruaighe! Mórgan bochd, cha robh sin idir furasd da, ach ciamar a chaidh aige air? PAT.—Chaidh gu ro mhath, oir cha MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 87] [Vol. 3. No. 11. p. 7] robh dith bìdh, no dibhe, no leapach air, an uair a bha teanga ’n a cheann, agus taighean, agus tobraichean ann an tìr na h-Eirinn.—Mar cuir mi fadal ort, a Mhaighst chòir, dh’innsinn sgeul beag dhuit mu Mhorgan. (Ri leantuinn.) Gaidheil Ghlinn Garraidh. Tha paipearan a tha tigh’nn d’ ar n-ionnsuidh á Gleann-Garraidh, ag innse mu chruinneachadh mòr a bh’ aig Gàidheil Loch-iall air Di-màirt an 4 mh. la dhe’n mhios, mar chuimhneachan air an aithrìchean a thainig thar cuain ’sa shuidhich ’san sgireachd a cheud bliadhna ’n t-samhraidh so. Cha bu lugha na mìle de shliochd nan daoine còire sin a chruinnich air an lath’ ud gu Eaglais Challuim Chille aig Kirk Hill (Cnoc na h-Eaglais); agus chuir iad seachad latha toilichte maille ri chéile a’ còmhradh mu bheatha ’s mu chliu nan daoine o’n d’ thàinig iad agus ag éisdeachd ri óraidean fhileanta mu na deuchrinnean agus na cruaidh-chàsan troimh ’n deach iad an àm a bhi deanamh dhachaidhean dhaibh féin ’sa “Choille Ghruamaich;” agus a’ gabhail baachd air an liuthad atharrachadh a thainig air an t-saoghal, agus air cleachdaidhean agus dòigh oibreachaidh an t-sluagh seach mar bha iad ri linn an aithrichean. Bha aca air an làraich moran de dh’ uidheaman agus de nithean eile, a bha glé chumanta am measg dhaoine ceud bliadhna roimhe so, ach nach eil an diugh, moran dhiubh, air an cleachdadh idir. Bha tri bràthan ann leis am biodhte bleith a choirce ’s an eòrna mu’n d’ thainig muillein gu bhi cho pailt ’sa tha iad an diugh. Buinidh té dhiubh do dh’ Aonghas Mac Cuaig, Cnoc na h-Eaglais, agus tha beul-arthris ag radh gu robh i ann an campa Mhorair Shiport ’nuair bha e dion ’oighreachd o ’naimhdein. Bha ann cuideachd da sheann mhusgaid, aon còrr us ceud bliadhna dh’ aois, ’s te eile rinn a cuid fhéin gus an ruaig a chur air armailt Bhonipart ann am blàr Waterloo. A bharr air moran de nithean eile eadar còig fichead us naoi fichead bliadhna dh’ aois; paidhir speuclair a rinneadh le gobhainn, coinnlear iaruinn, bocsa snaoisein, spàinean adhairc, sochd crainn-treabhaidh, cas chrom, cuigeal, cuidheal-shniomh, spliùchdan, &c. &c. ’S ann aig da uair feasgar a thòisich na h-òraidean, agus bha iad uile toirt cliù air beatha agus saothair nan laoch a rinn dùthaich thorach, shaoibhir de thir a fhuair iad na fàsaich choilltich, agus ag earallachadh air an cloinn an cothroman féin a bhuileachadh cho math ’sa rinn iadsan, agus mar sin leantuinn gu dluth ri cliù an sinnsre. Bha òraid bhreagha Ghàilig air a toirt leis an lighiche, A. R. Domhnullach, á Orillia, agus thug i toilinntinn mhor do’n t-sluagh. Bha òraid Ghàilig eile ri bhi air a toirt leis an Urr. Dr. Mac Nis, ach cha b’ urrainn da bhi làthair, ni a bha na chall do’n chruinneachadh, oir tha e na àrd sgoileir Gàilig, agus cha b’ urrainn a sheanchas ach a bhi taitneach do choithional Gàidhealach mar bha ’n sud. Bha Iain Mathanach, piobaire Réiseamaid Ghàidhealaich Mhontreal, air an làraich fad an latha agus a toirt cuairt air a phiob-mhoir an dràsda ’sa rithist, a cur aiteas us blàthachadh-cridhe air na h-uile leis na seann phuirt Ghàidhealach air an cluich air an t-seann dòigh. Air an fheasgar bha co-sheirm chiùil aca, agus mar sin thug iad gu co-dhùnadh latha air am bi cuimhne ann an siorramachd Ghlinn-Garraidh, agus gu h-àraid ann an sgìreachd Loch iall, fad iomadh latha ’s bliadhna. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. BAIS. Aig a Phòn Mhòr, air an treas latha deug a dh’ Ogust, Steaphain Mac Dhughaill, duine air an robh meas agus deagh chliù, 55 bliadhna dh’ aois. Dh’ fhag e bean us dithis chloinne. Aig Amhuinn Shidni, air an ochdamh latha de September, Anna, bean ionmhuinn Erneist A. Alnutt, Boston, Mass. Aig Brook Village, air an t-seachdamh latha de September, le tinneas a chridhe, Anna Nic Fhionghain, bantrach Chailein Shiosail, 65 bliadhna dh’ aois. Aig Loch Ainslie, air an darra latha de September, Iain Mac Gilleain, (eildear), 77 bliadhna dh’aois. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 88] [Vol. 3. No. 11. p. 8] Iorram. DO DH’ IAIN GARBH, TRIATH CHOLA. ’Righ! nach eireadh i tuath, ’Si ’bhi siobhalta buan, Is gu ’n togadh ar n-uaislean breid rith’! Righ nach eireadh &c. A Righ fheartich nan dul, Cum an soirbheas sin ciuin, Chum ’s gu’n gabhadh mo run na dheidh e. Ceann mo thaighe gu ceart, ’M fear a’s urranta smachd, Criosd gad’ choimhead ’s gach feachd san deid thu. B’e do chleachdadh bho thus, A bhi dileas do ’n chrun; S gun ’bhi foilleil an cuis fo ’n ghrein so. Ceist mo chridhe an t-ainm Leis ’n do bhaisteadh Iain Garbh; Is og a rinn mi leat leanabas deideig. Mac na lanaine ceart ’Dheonich Dia ’san aon ghlaic;— ’S fhuair iad dioladh gu math da reir sin. Tha mi tamull gun suain Agus m’ aigne fo ghruaim; Och, tha ionndrichinn bhuam a’s leir dhomh. Gur h-e ogha mhic Eoin ’Bha o nighean Mhic-Leoid S mac na deadh-mhna o’n Mhorthir m’eudail Gun robh freagradh ad cheann Agus deaspud neo-gham ’N Gaidhlig, Laideann, am Fraingis, ’s Beurla. Gu’n robh susbin ad chorp Agus uaisle gun spot Fhir a dheanadh air cnocibh reiteach. Craobh de ’n iubhar a b’ fhearr Bu mhath luthadh ri sas, As a choille a b’ airde geugan. Ceist mo chridhe-sa ’n geard Bha mu d’ thimchioll ’san ait, B’ ann do dh’ abhall do ghàrídh fein e. ’S caisteal tubaisteach ’bh’ ann Mu ’n robh chaismeachd bha searbh: Righ. bu shoilleir ar call mu dheibhinn. Mo chreach an tainisteir og Leis an rachadh tu ’d dheoin Bhi gad fhaicinn gun deo ’nad chreubhaig. ’S mairg do ’n uachdaran òg ’Bhi gad fhaicinn fo, leon; Ged a thuit thu, bu chonspull cheud thu. Tha chinnidh fo sprochd Bho ’n la chaidhidh do lot; ’S ann ’tha ’n diobhalas goiat fo d’ leine. Rinneadh an t-oran so do dh-Iain Garbh, an 9 mh Mac-Gilleain a bha air Cola. Bha e dol do ’n Ard-thaigh-foghluim an Duneideann. Chaidh urchir a losgadh air tional graisge a bha air an t-straid gu sgapadh a chur annta. Ged nach rooh Iain Garbh nam measg chaidh a mharbhadh le spealg de ’n t-slige chaidh a thilgeadh. Cha robh e ach ochd bliadhna deug dh’ aois. ’Se nighean do dh’ Iain Dubh Muideartach a bu mhathair da. Ged tha ’n t-oran sean cha deach a chlo-bhualadh riamh gus a so. Thug mi ’n Oidhche ’n raoir ’san Airidh. LEIS A’ PHIOBAIRE MAC-GILLEBHRATH. Mile marbhphaisg air an t-suiridh, ’S bochd le neach da ’n deid i iomrall; Bithidh inntinn fo lan iomgain, ’Gluasad cho simplidh ri meirleach. Thug mi ’n oidhche ’n raoir ’san airidh, Thug mi ’n oidhche ’n raoir ’san airidh, Thug mi ’n oidhche ’n raoir gu caoimhneil Mar-ri maighdeanan na h-airidh. Oidhche dhomh ’s mi ’m bun na tire, ’S mi goirid o bheagan nionag, Smaointich mi gluasad os ’n iosal ’Nochdadh mo bhriodail le gradh dhaibh. ’N uair ’ranic mi taigh an dunain, Bha chomhl’ ac’ air a deagh dhunadh, ’S a dh-aindeoin m’ eolais ’s mo thuir Gu ’n d’ thoisich na goid chuil ri ranaich. Labhair mo chompanach runach, Dean stad ’s feuchaidh sinn cleas ur dh’ i; Faigh thusa boiseag de ’n bhurn, ’S gu ’n cum sinn na ludagain samhach. Fhuair sinn a staigh gun dad uamhain, ’S bha sinn farasda ’n ar gluasad; Ranic sinn leaba nan gruagach, ’S chuir mi-fhin le stuaim mo lamh orr’. Thuirt i ruim na dig na’s fhaide, ’S leanabh te eil’ ann am achlais; Chan fheil rum agad fo ’n phlaide, ’S bi tilleadh dhachaidh mar thanic. Thuirt mise, na bi cho doich’llach, Fuirich gu siobhalta, socrach, Dad de mhi-mhodh dhuit chan nochd mi Gus ’n cirich thu moch am maireach. Thuirt i, ma ta, thig fo ’n aodach, Bheir mise ’n nochd mo leith-taobh dhuit Air eagal ’s gun dean thu m’ aoireadh ’S chan ann airson gaol do mhanrain. Mun d’ fhuair mi mi-fhin gu socrach, Ciod a rinn am paisd ach mosgladh, ’S ’n uair a ghrios mi e bhi tosdach ’S ann theann e ’s droch-uair air ranaich. Thuirt bean an taighe le dearras, A chlann a chum mi ’am chaithris, Air leam gum feumadh sibh anail, Gur siubhlach ur teang’ le Gaidhlig. Chuir a brithran mi o thapadh, Eadar seorsa naire ’s gealtachd, ’S cha robh druchd a bha troimh m’ chraiceann Nach cuireadh cnag air an lar dheth. Dh’ eirich i ionnn ’sa bhi ruisgte, ’S theann i ri lasadh a’ chruisgein;— Mun d’ fhosgail i ceart a suilean Bha mis’ air taobh cuil na fardaich. Ach fhir a tha fuireach ’sa bhaile, Giulain mo shoraidh gu Anna, ’S innis dh’ i gun d’ rinneadh ealaidh Do ’n luchd-faire ’bh’ air an airidh, BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 89] [Vol. 3. No. 12. p. 1] Mac-Talla “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 22, 1894 No. 12. Mu Bhreugaibh. An ti a ni olc pillidh e air a cheann féin, agus esan a thréigeas an fhirinn, cha toir neach air bith creideas da. Bha e ’na chleachd aig òganach a bha ’g ionaltradh treud ’athar sa’ mhachair bhi ’g éigheach gu h-àrd gu’n robh madadh alluidh am measg nan caorach. Bha e deanamh so air son spòrs da fèin, agus ’nuair a chruinnicheadh na seirbhisich le cabhaig g’a chòmhnadh, dheanadh e fanoid orra do bhrìgh gu’n chreid iad e. Air là àraidh thachair e gu’n d’thàinig madadh-alluidh, agus gu’n d’ thug e ionnsuidh air na caoraich; ach ge do ghlaodh an t-òganach gu àrd air son cobhair, agus ge do ruith e dhachaidh dh’ ionnsuidh ’athar agus a bhràthar, cha d’ thug aon diubh creideas da. Air an aobhar sin fhuair am madadh-alluidh a chead caor a mharbhadh, agus caor eile a ghiulan air falbh as an treud. Thachair e thuille air sin, ’nuair a bha an t-òganach a’ ruith air ais a dh’ ionnsuidh nan caorach gu’n do thuit e, agus gu’n do bhris e a chos. Ghlaodh e ris gach neach a bha gabhail an rathaid cabhair a deanamh air ach cha d’ thug aon neach creideas da, do bhrìgh gu’n robh e ’na chleachd aig bhi mealladh sluaigh air son spòrs dha féin, agus air an aobhar sin sheachainn iad an t-àite san robh e ’na luidhe, Chunnaic agus mhothaich e nis an t-olc a thug e air féin le ’dhroch sheòl; agus an uair a bha e ann an cràdh mòr, agus a’ gul gu goirt, thug e bòid nach cluinneadh neach tuille e a’ labhairt bhreug. Aig tràth feasgair, ’nuair nach robh e teachd dhachaidh leis an treud, chaidh ’athair a mach dh’ fhaicinn ciod a thachair dha, agus fhuair se e ’na luidhe aig bun cnoic, agus a chos briste. Dh’aidich an t-òganach gu’n robh e ro-dhuilich air son a sheòlanna seachranach, agus gheall e, nan tugadh ’athair maitheanas da an uair so, nach tigeadh breug tuille a mach á bheul. Litir a Providence. FHIR MO CHIDHE:—Tha mi ’cur an dollar so ad ionnsuidh, ’s gu dearbh cha b’ e luach a MHIC-TALLA phrìseil am paipear beag, leibideach, Geancach so. Bu choir dhomh bhi air a chur thugaibh o chionn còrr us da mhios, ach ’s fhearr seann fhiachan na seann ghamhlas. Cha b’e cion toile no cion dhollair a dh’ fhàg cho fad air deireadh mi, ach cion ùine; ’s mar sin tha dòchas agam gu’n gabh sibh mo leisgeul. B’ fhearr leam gu’n cuireadh fear-eigin de ’r luchd-sgriobhaidh thugaibh an rann ris an abradh na seann daoine, “Aireamh Fhear Dhubhan.” Tha e coltach gu’n deach e air chall. Bha e agam uair-eigin, ach tha e air dol air diochuimhn’ orm ’na dhòigh cheart; ach so cuid de na facail.— Ceathrar fhear Féinne air thùs, Le’n coig laoich dhubha ’nan deigh; Dithis mhac Chuthail nan nuadh, ’S fear o Dhubhan dreachmhor; Triùir o Fhionn is àille dreach, ’S fear o Dhubhan tiùrr a mach; Dithis dhubh’ mu Dhubhan Dill, ’S aon fhear Fionn am fochair sin. “Cha suidh Fionn,” arsa Brubhan, “Gun dithis dhubh’ air a laimh chearr, ’S gun dithis eile chuideachd Fhìnn o Shelma; Dithis o Fhionn ’s fear o Dhubhan.” Chaidh na rainn so a dheanamh le nighean Dhubhain, agus b’ e so an t-aobhar: Ghabh i gaol air Fionn, ’s gheall Fionn a pòsadh na’m faìgheadh i dòìgh air a h-athair ’sa cheithir ghaisgich dheug a chur gu bàs. Rinn i fleadh ’s thug i cuireadh a dh’ Fhionn ’s do cheithir deug de ’ghaisgich, ’s bha gach fear air an tigeadh naoidh (9) ri chur gu bàs. Leis an rann so chuir i ’nan suidhe aig a bhòrd iad air dhòigh ’s gu’m b’ ann air a h-athair ’s air a chuid dhaoine a thuit an crann, ’s bha iad air an cur gu bàs. Ach cha do phòs Fionn i fhathast, ’s tha eagal orm nach pòs. A. MAC AOIDH. Baddeck. Tha càirdean na Gàilig a cur rompa Sgoil-Sheinn Gailig fhosgladh toiseach an ath mhios, agus bu toigh leotha gu’n biodh an càirdean ag ullachadh air a son. Tha toradh na sgoile ’bh’ aca ’n uiridh ri fhaicinn gu soilleir. Tha sianar sheinneadairean Gàilig a togail fonn nan salm ’s an eaglais far nach b’ àbhaist a bhi ach aon no dithis. Agus fear dhiubh so, cha robh aige ach fior bheagan Gàilig mu ’n àm so ’n uiridh, ’s cha leughadh e facal. Tha Acarsaid Bhaddeck làn de rionnach. Tha mar an ceudna trosg ann. Rug fear de ar n-iasgairean air trosg a thomhaiseadh eadar da fhichead us leth-cheud punnd. Chaidh dithis Fhrangach us mathan aca troimh ’n bhaile an la roimhe. Bha moran dhe’n t-sluagh nach creideadh gu ’m bu mhathan am beathach idir, ach thug e a stigh moran airgid dha mhaighstir. Tha moran de dh’ oigridh a bhaile glé dhéighail air bhi dannsa, agus fhuair iad cothrom an ruidhl’ ùr ionnsachadh an la ud. N. D. Tha ’n t-Urr A. Mac Gilleain Sinclair an deigh leabhar ùr a chur a mach; leabhar Beurla d’an ainm, The Peoples and Languages of the World, anns a bheil e toirt cùnntas ath-ghearr air uil’ fhineachan na talmhainn, agus air gach gné chànain a tha iad a labhairt. Tha an leabhar loma-lan fiosrachaidh, agus ’s math is fhiach e a’ phris. Tha sinn an dòchas gu faighear deagh reic dha. Gheibhear e ri cheannach ann an oifiig a MAC-TALLA. A’ phris, $1.00. ’S fhada bho nach d’ fhuair sinn naidheachdan no litir á Eilean a Phrionnsa. Gu de tha cearr air ar càirdean? An e gu ’n do theirig na naidheachdan dhaibh no ’n ann a theirig an cuid Gáilig? Cum Minard’s Liniment ’san tigh. [TD 90] [Vol. 3. No. 12. p. 2] DONNCHA CAIMBEUL. BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK. IV. (Air a leantuinn.) Bu tric a chuala mi mo mhàthair, le solus dealasach a’ cur an ceil mar bha deagh bhuadhan inntinn Dhonnchai, agus soilleireachd a bhreithneachaidh air an taisbeanadh dhi fein agus do m’ athair air tus, ged is eigin dhomh fein ’aideachadh nach robh m’ aire air a glacadh leis na buadhan ud, a dh’ aindeoin gach ard-mheas a bh’ agam air. Bhe e’n a chleachdadh bunailteach aig m’ athair a bhi a’ cumail aoraidh anns an teaghlach gach feasgar; ag iocadh taing do ’n Uile-chumhachdach airson’ a chaoimhneis dhoibh re an latha, agus ag asluchadh a dhion thairis orra troi fhairibh dorcha, tosdach na h-oidhche. Cha ruig mi ’leas ’innseadh do m luchd-leughaidh, gu ’n robh an dleasdanas ionmholta ud a’ cosheasadh ann a bhi a’ seinn earranan de shalm, anns an robh guth gach sean a’s og air an togail suas ann an comhsheirm le guth m’ athar. An deigh sin, leughadh e caibibeil de’n Bhiobul, a’ dol direach troimhe gu deireadh nan Sgriobturan. Bha aoradh gach oidhche air a chriochnachadh, le urnuigh, anns an robh sgrios an Ana-Criosd air ’asluchadh le dian dhurachd; ministeirean an t-soisgeil air an cuimhneachadh, agus anns nach robh caraid no coimhearsnach a dh’ fhaodadh a bhi ann an cruaidhchas, air a dhearmad. Ann an cumantas, bha e air a cheadachadh do na seirbhisich dol a luidhe gun a bhi a lathair aig an aoradh, na ’m be sin a bu roghnaiche leo; ach cha rachadh Donncha air achd sam bith d’ a leabaidh as eugais na h-urnuigh, eadhoin ged a bhiodh e fliuch agus sgith, agus ged a bhiodh mo pharantan ’g a ghreasad d’ a leabaidh air eagal gu ’n glachdte e le fuachd. Cha robh e riamh ro dhuilich mise a chur a luidhe mu’n am ud. Bu tric a theireadh mo mhathair gu’n robh mi gle bhuailteach do ghoirteas eigin mu m’ chridhe aig an am ud de’n oidhche, leis an robh mi air m’ eigneachadh mo leaba a thoirt orm mu’n toisicheadh an t-aoradh. Is e is docha, gu’m b’ e sud a dh aobharaich m’ aineolas air gluasad-inntinn Dhonnchai fo eisdeachd an aoraidh. Le millseachd chomharraichte, sheinneadh e ard-phairtean fuinn aosda na h-eaglais, oir bha a ghuth binn, fonnmhòr, ceileireach; agus re na h-uine a bhiodh m’ athair a’ leughadh a’ chaibidil, na’m b’ ann an earrann air bith de leabhraichean eachdraidheil an Sgriobtuir a bhitheadh e, leigeadh e a thaice air a bhord agus shealladh e ’n a aodann, a’ slugadh gach focail le gionachd dhein agus dhurachdaich. Air oidhche araidh, air do m’ athair a bhi a’ leughadh a’ chuigeamh caibidil thar da fhichead de Ghenesis, ghuil e cho goirt a’s gu’n do chur e stad air an leughadh, agus air do m’ athair ’fheoraich ciod a chuir a leithid de bhuaireas air? thuirt Donncha ris, nach b’ urraim e ’innseadh. Uair eile, air do m’ athair ’n a chursa leughaidh tighinn gus an naoitheamh caibideil deug de Leabhar nam Breitheamhna ’n uair a thoisich e air a leughadh, bha Donncha ’n a shuidhe air taobh eile an tighe, ach mu’n d’ rainig e meadhon a’ chaibidil dh’ ealaidh e suas dluth d’ a uilinn. “Beachdaichibh air, gabhaibh comhairle agus labhraibh,” arsa m’ athair, agus dhuin e an leabhar. “Air adhart, ma ’s e ur toil e,” arsa Donncha, “air adhart, agus cluinnemid ciod a thubhairt iad mu ’thimchioll.” Sheall m’ athair le gruaim air Donncha, ach air dha ’fhaicinn gu’n do ghabh e naire airson neo-iomchuidheachd a ghiulain gun aon fhocal a radh, dh’ fhosgail e am Biobul, agus leugh e an fhicheadamh caibideil, fada ged a bha e. Air an latha-ar-na-mhaireach bha Donncha a’ dol mu ’n cuairt leis a’ Bhiobul fo ’achlais, ag iarraidh air gach neach a choinnicheadh e, a leughadh dha thairis agus thairis a ris. Bha mo pharantan air an gluasad leis an tuiteamas ud gu comh-labhairt dhurachdaich eatorra fein mu chosdas agus mu thairbhe foghluim; agus mar thoradh air a chomh-labhairt ud, air an ath sheachdain chuir iad Donncha agus mi fein do sgoil na sgireachd, far an do thoisich sinn le cheile ri ionnsachadh na cuid sin is toirteile agus is bunabhasaiche de’n litireachd—an A. B. C.; ach bha mo phiuthar, Mairi, a bha ni bu shine na mise, cheana ’n a ban-leughadair eagnaidh, chuimsich, fhinealta. Tha so a’ toirt gu m’ chuimhne mion-sgeul eile a chuala mi gu minig air ’aithris mu Dhonncha, agus air am bheil deagh chuimhne agam, air mo chosd fein. Air oidhche araidh a thachar do m’ athair a bhi air falbh aig faidhir, ’n uair a thainig am an aoraidh, dh’ iarr mo mhathair air aon da na sgalagan aite m’ athar a ghabhail ann an ceann an dleasdanais; ach dhiult e a ghabhail os laimh, agus sheap e air falbh d’ a leabaidh. “Mo thruaighe!” arsa mo mhathair, “gur eiginn dhuinn uile dol a chadal an nochd gun urnuigh; cha chuimhne leam c’ uin a thachair dhuinn a bhi anns an t-suidheachadh cheudna roimhe so.” “Tha mi a’ saoilsinn,” arsa Donncha, “gu ’m faodumaid a’ chuis a mharasglachadh eadaruinn,” agus ghabh e fein os laimh gu ’n seinneadh e salm, agus gu’n rachadh e an dail na h-urnuigh, na ’m be a’s gu ’n leughadh Mairi an caibideil. Dh’ aontaich mo mhathair, ann an rathad a bha car teagmhach, ri tairgse Dhonnchai, “Ach,” ars’ ise, “ma ni thu urnuigh mar is fearr is urrainn dhuit, le cridhe treibhdhireach, cha ’n ’eil teagamh nach faigh thu eisdeachd cho pailt agus ged a bhiodh d’ iarrtasan air an cur ann am briathran ordail, fileanta.” Cha robh Donncha aig an am ud comasach air a’ bheag a leughadh, ach air dha cuid de na sailm a thogail air a chuimhe, le Mairi a bhi gu tric ’g an leughadh dha, dh’ aithris agus sheinn e an treasamh salm thar an fhichead o cheann gu ceann, gu rianail, binn. Leugh Mairi caibideil d’ an Tiomnadh Nuadh; lub sinne ar gluinean lamh rithe, agus thoisich Donncha ris an urnuigh mar a leanas:—“O Thighearna, bi thusa ’n ad Dhia dhuinn, ’n ad fhear stiuraidh, agus ’n ad dhion dhuinn gu am ar bais, agus troimh ’n bhas”—briathran a b’ abhaist do m’ athair a bhi ag aithris gu tric ’n a urnuighean. Rinn Donncha greim orra; agus thoisich mo mhathair ri smauainteachadh nach robh Donncha ’n a choigreach do chleachdadh na na h-urnuigh:—“O Thighearna, is tusa”—ars’ ’esan, ach stad e gun dol ni b’ fhaide; mhair an tosdachd ud car mionaid no ’dha, gus an do bhrist mise a mach le glag-ghaire. Dh’eirich Donncha le cabhaig, agus le ceann crom: thug e a chasan as gu a leabaidh a’ caoineadh agus a’ suathadh a bhasan. Cha do stad mise de’n ghaireachdaich gus an do leag mo mhathair strac air mo dhruim leis a’ chlobha. Mar sin, thainig ar n-aoradh air an oidhche ud gu crich mhi-shealbhaich. Lean mise air sail [TD 91] [Vol. 3. No. 12. p. 3] Dhonnchai; a’ caoineadh ni ’bu ghoirte na esan, ach ’g a smadadh airson ’urnuigh gun sta, as leth an d’ fhuair mise a leithid de smachdachadh, agus a reir mo bheachd fein, gu neo-chiontach. Mu ’n d’ fhag sinn an sgoil, gu bhi a’ buachailleachd a’ chruidh air an ath shamhradh, rachadh againn air a’ Bhiobul a leughadh gu gle mhath le ’cheile. Ach bha Donncha moran ni bu turaile na bha mise; agus bha e cho toigheach air leughadh eachdraidhean a’ Bhiobuil, a’s nach robh caitheamh-aimsir eile a bu taitniche leinn na bhi ’g a shior leughadh. Bu tric a shuidh Mairi, esan agus mise, fo’n aon bhreacan, ri taobh an arbhair, a’ leughadh caibidil mu seach re iomadh uair de gach latha mu ’n am ud, a’ gul thairis air laigsinnean agus tuislidhean dhaoine diadhaidh, agus fo iongantas mu chumhachd eugsamhuil ghaisgeach na’n seann linnteann. Cha robh duine riamh air a lionadh le solas ni bu mho na bha Donncha ’n uair a thainig e gu eachdraidh Shamsoin, Dhaibhidh agus Gholiah. Cha b’ urrainn e ’bhi riaraichte gus an do leugh e iad do gach neach a b’ aithne dha a’ saoilsinn gu ’n robh iad cho ur agus cho annasach do mhuinntir eile ’s a bha iad dha fein, Bu tric a chunnaic mi e ’n a sheasamh lamh ris na cailean ’n uair a bhiodh iad a’ bleodhan a’ chruidh, agus e a’ leughadh dhoibh mu eachdraidh Shamsoin, agus a’ sarachadh gach fear agus bean a bhs anns a’ choimhearsnachd le ’chuid leughaidh. Air laithean na Sabaid, b’ abhaist do m’ pharantan a bhi a’ dol a mach leinn air feadh nan raointean, agus a’ gabhail pairt anns a’ chaitheamhaimsir thaitneach ud (Ri leantuinn.) Naidheachdan Cheap Noir. FHIR MO CHRIDHE;—Tha sibh ag iarraidh naidheachdan as gach cearna ’n t-saoghal ’s am bheil am MAC-TALLA dol. ’S e so aon de na cearnaibh sin, ach tha tomhas de nàire orm nach ’eil tuilleadh chàirdean aige s an àite so na shaolar a bhi ann. Feudidh e bhi gur e cion eòlais air a tha fàgail cuid anns an t-suidheachdadh thruaigh sin. Tha mi creidsinn gu bheil àireamh ’n ar measg nach cuala uiread ’s gu bheil am MAC-TALLA ann. Saoilidh mi nach ’eil teaghlach ’s am biodh esan a taghal fad bliadhna anns nach faigheadh e càirdean nach tréigeadh e fhad ’s bu bheò iad. Tha mi fhéin ’ga fhaotinn o fhuair e bith, ’s ged nach ’eil aige ach aois a leanabais fhathasd ’s math an coltas a th’ air,—coltas fallain, coltas gu ’m tig e gu meudachd leis am faod sinn uile bhi làn-rianaichte. Rachamaid uile ann an guaillibh a chéile, mata, ’s seallamaid do ’n t-saoghal gu ’n téid againn, air a chuid a’s lugha, air aon phaipear Gàilig a chumail suas. Thug an litir aig “Ceann Liath” anns an àireamh mu dheireadh, gaire air iomadh neach. Nach e cuid de na Gàidheil a tha fàs Gallda ’n uair thig iad ann an ùine cho goirid gu bhi ag radh gu bheil “No Gaelic” acasan. Tha e moran ni ’s usadh dhoibhsan sin a ràdha na tha a dhuinne ’chreidsinn. Tha moran ’n ar measg féin a shaolamaid a tha air a Ghàilig a chall gu buileach, se sin nan tugamaid breth a réir an cleachdaidh. Fàgaidh iad an tigh-aoraidh cho luath ’sa tha ’n t-seirbheas Bheurla thairis, mar nach biodh smid Gàilig ’n an cinn. Cha ’n ioghnadh ged thug ar ceann-iùl greis air labhairt ’n a chùbaid an an aghaidh a chleachdidh sin, ’s air moladh na Gailig; a dearbhadh gur i cainnt is fearr na cainnt nan Gall. Cha ’n e cion Gailig a tha tighinn ris an t-seòrs’ ud ann an co-thional sam bith, ach cion cail do nithibh spioradail. Dh’ fhalbh am ministeir againn a dh’ ionnsuidh a Chladaich a Tuath air an t-seachduinn s’a chaidh, a chuideachadh an Urr. I. Friseal aig a chomanachadh. Bidh sùil againn ris air ais an ath sheachduinn, ’se sin mur éirich tubaist dha a thaobh an droch rathaid eadar so agus Ingonish. ’S neònach nach ’eil na buill pharlamaid againn a sealtuinn ris an rathad san idir. Chuir buill siorramachd Inbhirnis còig ceud dolar air an rathad eadar so agus am Bagh Taitneach (Pleasant Bay) an uiridh, ’s tha uiread eile ri bhi air a chosg ris am bliadhna. Sealladh na buill a roghnuich sinne gu ’n teid aca féin air deanamh a cheart cho math riutha-san latha sam bith. Tha e air aithris gu ’n tugadh moran deoch-làidir a stigh gu folachidh d’ an àite so am bliadhna a rithisd. Ged nach ’eil e ceaduichte dhuinn a bhi fuathachadh luchd-reic na deocha gidheadh is duine gun diù aig nach biodh fuath do ’n chleachdadh sgriosach a tha iad a leantuinn. Tha e sgriobhte gur an-aoibhinn dhàsan a tha toirt air a choimhearsnach ol, a tha cur ris a chopain, agus ’ga chur air mhisg mar an ceudna, &c. ’S eagalach a ni ri smuaineachadh, gu bheil, a reir a MHAC-TALLA agus paipearan eil da-fhichead mile pearsa a basachadh ’am Breatuinn gach bliadhna leis a mhisg, agus uiread eile sin a call am beatha le goirt, sgiorraidhean, agus tinneasan a tha air an aobharachadh leis an òl. Tha iad sin uile a sgnos an cuirp agus an anmaibh fein. ’S uamhasach an cùnntas a bhios aig misgearan agus aig luch-deanamh mhisgeasan ri thoirt seachad ’s cha bhi sinne nach ’eil ’n ar misgearan, idir saor bho chionta mur dean sinn ar dichioll a chum a mhalairt mhalluichte so a chur gu làr gu buileach. M. D. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 92] [Vol. 3. No. 12. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 22, 1894. CHA’N eil an ùine ro fhada o bha eagal air moran gu robh Breatunn ’san Fhraing gu dhol a mach air a chéile mu chriochan an cuid fearainn ann an Africa. Cha’n eil fhios ciamar a chuir iad a chùis air dòigh, ach tha e coltach gu’n d’ rinn iad réiteach de sheòrs’-eigin, oir cha chualas an còrr uime. Tha nise gnothuch eile a’ cur dragh orra, agus mar a bha roimhe, cha’n eil fhios cò dh’ ionnsuidh a dh’ fhaodas e tighinn.Tha ’n Fhraing, o chionn cheithir bliadhna no còrr ag agairt seòrsa de chòir air Madagascar, eilean mor a th’air taobh an ear Africa, ’sa tha fo riaghladh ban-righ agus pàrlamaid de na nàismuich féin, Tha’n Fhraing air son a bhi ’na Dionadair no na h-Ard-Riaghladair air an eilein. Cha do chuir Breatunn no Ghearmailt, no aon eile de dhùthchannan na Roinn-Eòrpa dad ’na h-aghaidh anns an agartas sin, agus cho fad so bha cùisean a’ dol air adhart math gn leòr, ged nach d’ rinn ban-righ, no pàrlamaid, no sluagh, Mhadagascar ùmhlachd do’n Fhraing fhathast ’s ge do dhiùlt iad as us as a bhi fo chuing sam bith dhith. Ach a nis tha’n Fhraing a dol a thoirt ceum eile, agus a dol a cheangal an eilein rithe féin cho daingeann ’s cho dlùth ’s nach bi aig na nàisinnich ri dad a dheanamh ach a bhi air an riaghladh mar-a chi ise freagarrach, agus tha teachdaire uaipe air an t-slighe le làn-ùghdarras sin a thoirt gu crìch. Tha so an deigh moran monmhuir a dhùsgadh ann am Breatunn, gu sònruichte o’n tha Ghearmailt’ a’ cur a h-aonta ris. Tha a criochan fhéin ’san amharc aig a Ghearmailt; mar tha gnothuichean air an suidheachadh ann an Africa aig an àm so, ’s ann aig Breatuinn a tha ’dòigh féin ’s na h-uile rud; ach ma’s e ’s gu’n dean an Fhaing greim air Madagascar agus nach cuirear dragh sam bith oirre, bi’dh cumhachd Bhreatuinn, ann an Africa, ann an tomhas mor air a lagachadh, agus an sìn bidh cothrom na’s fearr aig a Ghearmailt air deanamh air a son féin anns a chearna sin dhe’n t-saoghal. Tha Breatunn a tuigsinn so, agus tha a’ sluagh a gabhail na feirge, agus cha bhiodh e idir ’na ioghnadh ged bhiodh cùisean gu math teth eatorra. Ach cha’n eile rioghachdan an latha ’n diugh cho deigheil air a dhol a chogadh ’sa bha iad anns na làithean a dh’ fhalbh, agus cha tarruinn iad an claidhmhnein gus an fheudar dhaibh. Tha iad ag ionnsachadh, gach bliadhna ’tha dol seachad, gur-a buannachdaile call beag fhulang, taobh air thaobh, na dhol a sgrios a chèile le cogadh. THA càirdean a MHAC-TALLA a’ dol an lionmhoireachd na h-uile seachdain; tha feadhain ùra a sior chur eòlais oirnn, agus tha na seann chàirdean na’s càirdeile na bha iad riamh. Tha sinn an dòchas gu’n lean iad air a bhi mar sin. THA D. J. Domhnullach an deighs toc mor flùi.r fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod. GED tha ’n aimsir a fas fionnar gu leór, cha do sguir na pic-nics fhathast. Bha cruinneachadh dhe’n t-seòrsa sin aig na Forks air an t-seachdain s’a chaidh, agus te eile aig Coxheath, air an t-seachdain so. Chaochail duin og d’am b’ainm Iain Domhnullach ann an Santa Cruz an California, o chienn ghoirid, agus dh’ fhàg e ’na dhéigh fiach mile dollar no còrr dhe’n t-saoghal. Tha ’chuid a nis aig na fir-lagha, ’s tha iad ag iarraidh a chàirdean air aon an t-aigiod a roinn orra. Tha iad aon chuid ann an Ceap Bhreatunn no ann an Eilean a Phrionnsa. B’e Alasdair ainm ’athar, agus Ailein ainm a sheanair, ’s thàinig iad a mach as an Eilean Sgiathanach. Tha e air iarraidh air a chàirdean sgriobhadh dh’ionnsuidh a Chonsuil Bhreatunnach ann an San Francisco. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) S G TORD OE BHATH ARUR Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 93] [Vol. 3. No. 12. p. 5] NAIDHEACHDAN AN deigh so, tha deich sentichean air an dollar de chìs ri bhi air a phàigheadh air gach seòrs’ éisg a chuirear dha na Stàitean. THATAR ag obair an dràsd air cladhach air son guail air àit ’Ic Gilleain aig Amhuinn Dhennis, ’s tha iad ag ràdh gu bheil deagh choltas air gu faigh iad e. Tha Sultan na Tuirce an deigh tri cheud punnd Turcach a thoirt air son cuideachadh leothasan a tha ’nan éigin air tàilleabh nan teinntean a bh’ anns na Stàitean an Iar. TOISEACH na seachdain so fhuair na sealgairean ccad na cearcan-tomain a mharbhadh, agus bha iad glé shiùbhlach fad na seachdain. Roimhe sin bha e mi-lagbail am marbhadh. THA Sar Ruisia tinn. Ghabh e ’n grippe gu dona air an earrach s’a chaidh, agus cha d’fhuair e thairis air ceart fhathast. Cha’n eil fhios, an deigh a h-uile rud, nach fhaigh e an saoghal fhàgail air dòigh màdurra. FHUAIREADH seann duine, Padruig Boutillier, marbh ’na leabaidh, ann an Seann Bhridgeport. ’sa mhaduinn Di-Sathairne s’a chaidh. Chaidh e chadal am feasgar roimhe sin, ’se ’na shlàinte àbhaistich. Dh’fhàg e bean us teaghlach. ’THA ’n t-Urr. R. Dòmhnullach, Sagart Hawkesbury a nis air a shuidheachadh ann am paraisde Ferrona, ’am Pictou; agus tha ’n t-Urr. A. L. Dòmhnullach, Sagart Lakevale. N. S., air a shuidheachadh ann an Hawkesbury. THA Morair Abaraidhean an deigh a chuairt dha na mòr-roinnean iosal a thoirt gu crìch, ’s air ais an Ottawa a rithist. An ceann latha no dha tha e falbh air cuairt eile gu Columbia Bhreatunnach air a chuan an Iar. THA luchd nam méinnean guail a’ bruidhinn air innleachd eigin a dheanamh air an acarsaid so a chumail fosgailte a cheud chuid dhe’n gheamhradh, chum ’s gu faigh iad a bhi cur a mach guail mios no sia seachdninean na’s anmoiche na’s àbhaist. CHAIDH fear Deòrsa Wharton a bhàthadh ann an acarsaid Louisburg aon oiche air an t-seachdain s’a chaidh, le tuiteam á bàta beag anns an robh e féin us triùir eile. Fhuair iad sin snàmh gu tìr. Bhuinneadh iad uile do shoitheach-iasgaich Geancach. THA fear Niall Moireastan ann an St. John. N. B., an deigh fios fhaotainn mu dhìleab a th’air tighinn air. Chaochail bràthair-màthar dha, Uilleam Mac Aoidh, ann an Kimberly ’an Africa Deas, agus dh’ fhàg e mu dha mhuillein gu deth dollar aige. AN diugh, tha ’n latha ’s an oidhche dhe’n aon fhad, dà uair dheug. Dh’ éirich a ghrian aig sia uairean ’sa mhaduinn agus théid i fodha aig sia uairean feasgar. Cha n-eil ach aon la eile ’sa bhliadhna mu’m faodar sin a radh, ’se sin a cheud latha fichead dhe’n Mhàrt. CHAIDH fear Louis Archmbault a mharbhadh aig St. Charles, Que., maduinn Di-luain le breab a thug each dha mu’n stamaig. Cha robh e beò ach beagan mhionaidean an deigh a bhreab fhaighinn. CHAIDH duin’ òg, Domhnull Moireastan a leònadh gu dona ann am méinn airgid ann an Colorado. Bha e ’g obair le fùdar. agus spreadh e m’a aodunn, ’s cha’n eil teagamh nach caill e a fhradharc. Buinnidh e do’n Allt Dhubh air an Eilean Mhor, far a bheil moran de chàirdean a fuireach. THA e air a ràdh gu’m b’ann le coire dhaoine a thòisich na teintean mora a rinn an sgrios uamhasach ann am Minnesotta. Bha àireamh dhaoine a’ gearradh fiodha air àite a bhuineadh do’n Stàit, agus air son iad fhéin a ghleidheadh o bhi air am brath, chuir iad teine ris a bharraich, agus sgaoil e air gach taobh. THA tuathanach ann an ceann an Iar Nobha Scotia a tha gle rathadach ann an deanamh airgid. Chuir e mach ribeachan o chionn ghoirid leis an do ghlac e a h-uile cat ’sa choimhearsnachd, agus fhuair e còig dollar am bus orra o’n riaghladh, air dha thoirt a chreidsinn air luchd-pàighidh an airgid gu’m bu chait fhiadhaich iad. CHAIDH gille beag le Eideard Kernan a losgadh gu bàs ann an Eilean a Phrionnsa Di-sathairne s’a chaidh. Thug ’athair a mach e gu pàirce anns an robh e ’cur teine ri barraich. Dh’fhàg se e ’na shuidhe faisg air fear de na teintean ’s chaidh e féin taobh eile a ghabhail mu chùl cruidh. Air dha tilleadh fhuair e am fear beag ’s aodach air dhol ’na theine, ’s air a losgadh cho dona ’s nach robh e beò ach beagan mhionaidean. CHUIR na Sinich ’s na h-Iapanich blàr mor o chionn ghoirid, agus chaidh an latha gu dona ’n aghaidh nan Sìneach. Chaidh àireamh mhìlltean dhiubh a mharbhadh, ma’s fior an sgeul, agus chaidh ceithir mìle deug dhiubh a ghiulan air falbh mar phriosanaich. Tha e air a ràdh gu ’n do chaill Sina leis a bhlàr sin an aon bhuidheann dhaoine ris am faodte le ceartas armailt-chogaidh a radh, oir ged tha saighdearan aice cho pailt ’sa dh’ iarradh i, cha’n eil aon chuid airm no ionnsachadh aca mar bu chòir a bhi aig fir-chogaidh, agus ’nuair théid iad mu choinneamh shaighdearan ionnsaichte, cha seas iad tiota dhaibh. Tha i mar an ceudna glé ghann de dh’ airgiod, agus tha e gle dhoribh dhi eadhon airgiod-iasaid fhaotuinn, rud a chumas air ais i aig àm sam bith. Cha ’n eil dòigh air an gabhair i anns nach eil an cothrom aig Iapan oirre, ach a mhàin aon dòigh, agus ’se sin ann an àireamh an t-sluagh. Tha aice na chumadh ri Iapan mo ri dùthaich sam bith eile mile bliadhna. ’S e sin an aon dòigh air a faigh i buaidh air Iapan, ma gheobh i buaidh idir. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich. Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Innein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 94] [Vol. 3. No. 12. p. 6] PAT O’CONNOR. MAIGH.—Rach air t-aghaidh, ma ta, agus innis ciod a dh’ éirich do’n truaghan bhochd. PAL.—Bha e an siod ag imeachd gu cruaidh air rathad mòr an rìgh, gus an d’rug e air duin’-uasal a bha’ coiseachd air thoiseach air. An uair a bha e dìreach aig sàil an duin’-uasail ghrad thionndaidh e mu’n cuairt, agus rug e air amhaich air Morgan, agus thubhairt e ann am feirge mhòir ris, “a mhèirlich ghoid thu mo neapaigin-pòca uam. agus cuiridh mi air ball do’n phriosain thu.” “Ro mhaith, ro mhaith, a dhuin’-uasail chòir, cha mhòr gur miosa sin na so, ach dean foighidinn beag, agus na bi cho bras, cha do ghoid mise òirleach dheth. Bha’m fallus a’ dalladh an duin’-uasail, le bhi ’tarruing Mhorgain ’na dhéigh, agus stad e tiota beag. Mu dheireadh, thug e an ad aige bhàrr a chinn a thiormachadh an fhalluis. Ach ciod a fhuair e ’san aid ach an neapaigin-pòca a bha dùil aig a ghoideadh. Ghrad thionndaidh e ri Morgan, agus thubhairt e ris, “Tha mi ’g iarraidh maitheanais ort, a dhuine bhochd, oir dhìt mi thu gu deo-chiontach.” “Cha ruig thu leas maitheanas iarraidh ormsa,” a deir Morgan, “oir ghabh thusa mise mar mheirleach, agus ghabh mise thusa mar dhuin’-uasal, agus bha sinn ’nar dithis air ar mealiadh!” Thug an duin’-uasal le deagh-ghean bonn-crùin da, agus dhealaich iad. MAIGH.—Is laghach an sgeul sin; a Phat, agus bu tapaidh am ballach Morgan ’n a luideagaibh. Ach innis domh a nis, ciod an t-àm a’s freagarraiche gu dol air thuras air feadh na duthcha so? PAT.—Tha gu cìnnteach an t-àm anns am mo am bheil a dh’ àirgiod aig duine ’n a sporan. MAIGH.—Glé cheart, glé cheart, (a’ deanamh gàire) ach tha dùil agam gu’m bheil na rathadan mora ’san dùthaich so glé fhurasd imeachd. PAT.—Glé fhurasd gun teagamh ma phàighear na cìs-gheataichean a ta co tiugh air an suidheacdh, mar astar ochd mìle o chéile, air gach slighe ’san rioghochd. MAIGH.—Dh’ ìnnseadh dhomh gu’m bheil àireamh mòr agaibh dhe’n chrodh adhairceach ’san tìr so. Am bheil sin ceart? PAT.—An iad na seilcheagan a ta thu a’ ciallachadh? MAIGH.—Cha’n iad, cha’n iad idir an crodh-dubh tha mi ’ciallachadh. PAT.—An crodh-dubh! Tha’n crodh againn deth gach dath,—dubh, geal, buidhe, bàn, odhar, riabhach, agus deth gach dath rgus dreach eile fo’n ghréin. MAIGH.—Ach tha dùil agam gu’m bheil e ’g uisge tuilleadh a’s tric ann an Eirinn. PAT.—’Se sin tha ma h-uile neach ag ràdh; ach is comadh co dhiubh, cha’n fhad gus an tig crìoch air sin, oir gheall an duine maith O’Connell gu’n robh e gu achd Parlamaid a thoirt a staigh air son turaidh agus aimsire bhlàth, agus gheibh ’anam e. Guidhidh mòran gu’n teid a’ chùis leis, gu sònraichte luchd buaineadh na mòine agus an fheóir. Guidhidh na h-uile gu’n tuit mìle beannachd air a cheann. MAIGH.—Air duibh mòran aibhnichean grinn’ a bhi agaibh ’san rioghachd so, shaoilinn gu’m biodh pailteas, éisg agaibh an còmhnuidh. PAT.—Pailteas dhe’n iasg is fearr a fhliuch riamh uisge! A cheud iasg air an talamh ach e fein! Gu’n teagamh, a Mhaighstir, cha’n innis mi breug dhuit, ach n’am biodh tu aig abhainn Bhoyne gheibheadh tu na bradain agus na bric a nasgaidh; agus na’n rachadh tu gu Baileshanaidh, gheibheadh tu iad air moran ni’s lugha! MAIGH.—Is leòir sin, ma ta, biomaid a nis a’ falbh. SGIATHANACH SA GHAIDHEAL. THAINIG frasan matha de dh’ uisge air an t-seachdain so, ’s cha robh duine ’gearain. Bha talamh gle thioram roimhe sin agus ann an iomadh àite bhà na tobraichean ’s na h-uillt an innis a bhi tioram. Tha so gu sònruichte fior a thaobh taobh deas an eiiein, ann an siorramachd Richmond, far an robh aig an t-sluagh ann an àiteachan ris an uisge tharruinn astar mile. ’S fada bho nach robh ’n aimsir cho tioram mu’n ám so dhe ’n bhliadhna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND &CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 95] [Vol. 3. No. 12. p. 7] Litir o “Sheumas.” A CHARAID:—Tha MAC-TALLA air dol ’s na tri bliadhna, agus uime sin tha mi ’cur air adhart mo dholar air son na bliadhna so. Tha mi toilichte bhi faicinn gu bheil MAC-Talla a toirt dhuinn o àm gu àm sgeulachdan beaga agus cùnntasan ath-ghearr air na làithean a dh’ fhalhh, air an cur sios le daoine aig a bheil moran bàigh ris na cnoic ’s na glinn a dh’fhàg iad. Tha iadsan a chaidh àrach ’san duthaich thall a nis air fàs glé ghann ’nar measg. Agus is cóir do gach neach a dh’ ainmichear air a mhuinntir dhichiollaich so, a thòisich le droch thuaghannan air ionnsachadh leagadh nan craobh, agus a ghearr a mach as a chòille mhoir, dachaidhean dhaibh féin ’s d’an cloinn, a bhi ’n comain MHIC-TALLA air son a bhi toirt dhuinn naidheachdan firinneach mar fhuair sinn o “Bhartimeus” ’s o fhear no dha eile. Gu bhi ’cur clach air a chàrn, innsidh mi facal air an fhacal, mar thuirt seann duine, Alasdair Mac Asguill, (no mar theirte thall ris, Alasdair Mac Iain Bhain ’ic Calluim ’ic Coinnich rium ’s mi faighneachd dheth c’ àite ’n) robh “Coille ’n Dùin,” far an d’ thug Gilleasbuig Aotrom làmh air Mr. Sutor, mar leubh sinn ’sa MHAC-TALLA. “Coille m’ eòlais!” ars’ esan, “Coille m’ eòlais, Coille ’n Dùin! Cha ’n eil cnoc no slochd anns nach do ruith nis cas-ruisgte ’nam bhalachan. Rugadh ni eadar dha Nollaig, bliadhnr Uaterloo, mu mhìle bho chaisteal Dhun-bheagain. Thòisich mi aig aois cheithir bliadhna air dol dh’ an sgoil tri mile gu baile ’n Dùin, gu Mr. Alasdair Allan a mhuiuntir Loch Carrunn. Dh’ fhàg mi fhéin agus mu thri cheud eile Loch Uige air maduinn Sàbaid ann an Iulaidh 1841, agus air an treas Sàbaid na dheigh sin, chunnaic sinn fearann Cheap Breatunn. Bha ’n turus air a chunntas gle sgiobalt’ ’san ám ud. Chaidh sinn air tir ann an Sidni. Shuidhich moran aca air cùl Hogamah, ann an Gleann-nan-Sgiathanach. Dh’ fhàg long eile aig an àm cheudna an t-Eilean Sgiathanach ’s chaidh i do Eilean à Phrionnsa, far a bheil, tha mi creidsinn, beagan diubh féin ’s moran de’n clann ri ’m faotainn an druigh.” Is mise do charaide, SEUMAS. Am Bai ’n Iar, Sept. 17mh. Iadsan a Phaigh. Ailein Mac Phiocair, Port Morien. An t-Urr. I, Friseal, Cladach-a-Tuath. Niall Moireastan, Hornes’ Road. Murchadh Smith, Sidni. Iain Moireastan, Boulardarie. An t-Urr. A. Grannd, Loch Ainslie. Coinneach Mac Rath, S’y Forks. R. I. Mac Gillean, St. Peters, C. Mac-an-Toisich, Beinn ’Ic-an-Tòisich. Ailein Mac Leoid, International Pier. Ailein Domhnullach, Salmon River. An t-Urr. C. Mac Leoid, Ceap Nòr. An t-Urr. M. A. Mac Coinnich, Gr. River. Seumas C. Domhnullach, Iona. D. A. Mac Cuish, Salem Road. An t-Urr. A. L. Domhnullach, Hawkesbury. Domhnull Mac Cuish, Milton. Lachuinn Domhnullach, do. Domhnull Mac Phàrlain, Coxheath (25c.) Niall Mac Fhionghain, Grand Mira (25c.) A. W. Mac Dhùghaill, Xmas Island. Domhnull Mac Cush, Bridgeport. Màiri Cheanadach, Alba, C. B. A. D. Mac Neill. St. Peters. Domhnull Caimbeul, Beinn nan Cambeulach. Seumas Calder, Bar ’n Iar. Alasdair Mac Amhlaidh, New Zealand. An t-Urr. A. Mac Coinnich, Tomatin, Alba. Domhnull Mac Gilleain, New York. Domhnull Dmhnullach, do. Domhnull Currie, do. (25c.) F. I. MacNeill, Boston, (50c.) Aonghas Mac Aoidh, Providence. Ailein Mac Neachtain, Amhuinn Deas, N. S. Uilleam A. MacLeoid MacCrimmon P. O. Ont Seumas Mac Criomain. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 96] [Vol. 3. No. 12. p. 8] Oran Gaoil. Gur h-i culaidh mo shugraidh Rinn mo dhiultadh ’san uair so, ’Si an og-bhean a’s deise; Ghabh mi cead moch di-luain d’i. Ach nar misde do phiseach Ged robh mise ann an gruainn rùit. Bidh mi tamul fo thursa, Bho na dhiult thu leam gluasad. ’Si an lili bhàn, bhoidheach, An ur-oigh so ’s fearr buadhan. ’S tu ros cuimir a ghàraidh, Agus aille ’cur snuaidh ort. Cul clannach ’s fearr ordagh. Fiamh an oir air gach dual dheth. Aghaidh narach, chiuin, bhanail. Is caol-mhala gun ghruaman. Suil ghlan, chorrach, ghorm, mhodhar ’Ni na h-oig-fhir a bhuaireadh. Is glan d’ fhior-fhuil air lasadh, Lan de mhaise ’nad ghruaidhean. Beul a’s binne ni manran, Fiamh a ghaire gach uair ort; Leam a b’ aìte ’bhi ’d phogadh Na ’bhi ’g ol air fion uaibhreach. Broilleach min-gheal mar t-shneachd a ’Thig o chreachann nam fuar-bheann. Us corp seang air dheadh-chuma ’Dh’ fhas gu furanach, suairce. Tha do shlios mar an canach. No mar eal’ air na cuaintean; Calba cruiun nach iarr gartan, ’Shiubhladh faiche gu h-uallach. S’ trom mo chridh’ air a ghuin leat. Chaidh mo chuislean de ’n luaimhneachd. ’S lionmhor buaidh agus maise, A ruidh bras troimh d’ fhuil uasail. Dh’ fhas thu foinnidh deas, finealt, Soitheamh, siobhalta, suairce, ’S truagh nach robh mi ’s tu posda; Rachadh bron bhuam air fuadach. Oran Gaoil. As mo chadal cha bheag m’ airtneal, ’S gun thu agam, ’ghraidh; N deigh dhomh d’ fhaicinn ann am leaba Eadar mo dha laimh. Sud an aisling bho nach ceart mi, ’S tha ’cur as dhomh ’ghnath, Saighead Chupid tha gu guineach Annam-sa an sas. Corp seang fallan mar an Eala Air bharr tuinne ’snamh Cùl donn, dualach, bachlach, snuadhmhor, Lom-lan chuach gu bharr. Deud a’s gille, beul a’s binne Meoir a’s grinne ’ta. Ur-shlat shuairc thu nach faigh uam-s’a Cridhe fuar gu brach. Aghaidh thana fo chaomh-mhala, Suil ghorm, mheallach, bhlath. Gruaidh mar dhearcaig air bharr slataig; Bean a’s taitnich’ gnaths. Mar gheig uir thu lan de dh’ ubhlan ’Lubadh ’dh’ionnsaidh ’n lair.— Thug mi ceist dhuit us cha bheag i, ’Oigh nan leadan tlath. Minards Liniment air son Loine. CALL MOR AIR MUIR,—Chaidh soitheach smùide da’m b’ ainm Mamyong a bha ’ruith eadar da phort anns na h-Innsean an Ear, a chall air an ochdamh latha de dh’ Ogust, le tri fichead duine sa ceithir a bha air bòrd. Chaidh i air sgeir air feasgar an latha roimhe sin agus thàinig soitheach Breatunnach an rathad a thug cuideachadh dhi ’sa thug bhar na sgeire i. Cha robh choltas oirre gu robh milleadh mor sam bith air a dheanamh oirre, agus an deigh a faicinn gu sàbhailte ann an uisge domhain a rithist, dh’ fhàg an soitheach Breatunnach i. Bha iad ann an fianuis a chéile gu sia uairean feasgar, ach beagan an deigh sin, air do’n oidhche bhi air dorchadh, chunnacas soluis mar gu’m biodh an Namyong a’ losgadh urchraichean. A tuigsinn gu robh ni-eigin cearr, chuir an soitheach Breatunnach mu’n cuairt, agus sheòl e sia mile deug air ais, ach cha robh sgeul air an t-soitheach eile shios no shuas. Cha’n eil teagamh nach ann a bha i air a milleadh air a chreig air dhoigh ’s gu’n d’ fhàs i eu-dionach co-luath ’sa chaidh i ri fairge, agus gu’n deach i fodha cho grad ’s nach robh ùine aig na daoine air fàgail, A bharrachd air a chaiptean ’s còig oifigich, bha ochdnar eile de dhaoine geala air bord, agus leth-cheud de dhaoine buidhe a bha ’nan seòladairean. Cha ’n ’eil ni ann a tha co iongantach ri leabhar, ach duine beo a mhain. Is teachdaireachd dhuinn o’n bhas e. Is aithris e a chuireadh d’ ar n-ionnsuidh le muinntir nach fhac sinn riamh, le muinntir a bha beo o cheann mhilte bliadhna, agus a bha miltean de mhiltibh astair air falbh. Gidheadh tha iad sin anns na duilleagaibh beaga sin, a’ labhairt ruinn, ’g ar dusgadh, ’g ar brosnuchadh, g’ar teagasg, a’ toirt misnich agus comhfhrtachd dhuinn, agus a’ fosgladh an cridheachan mar ar cairdean a’s dillse! BU mhath an gniomh do luchd-gabhail MHIC-TALLA, ’nuair a bhiodh iad a’ cur air adhart an dollair féin, fear-gabhail ùr fhaotainn agus an da dhollar a chur ’san aon litir. Tha àireamh mhath an deigh sin a dheanamh cheana, ’s tha dòchas againn gu’n gu’n dean moran eile e fhathast. Chuir Mr. Uilleam A. Mac Leoid, á Ontario, ainm ùr us dollar g’ ar n-ionnsuidh an la roimhe. ’Se ’n t-ainm ùr Seumas Mac Criomain; cha’n eil fhios nach ann de shliochd na’m piobairean ainmeil a bha air uair an Dunbheagain a tha e. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 97] [Vol. 3. No. 13. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 29, 1894. No. 13. Litir o Chabar-Feidh. Bha mi glé thoilichte ainm m’ fhear-cinnidh Ian MacCoinnich, Hamilton, fhaicinn am measg na muinntir a tha gabhail MAC-TALLA. Tha barail agam gur e so am fior-Ghaidheal air an do chuir mi beagan eòlais an toiseach na bliadhna 1892 troimh bhi sgriobhadh ann an “Eachdruidh an Taobh Tuath.” Aig an am sin dh’ innis e dhomh gu’n robh Comunn Gaidhlig aca am baile Hamilton, agus co-cheangailte ris a chomunn gu’n robh class airson ionnsachadh na Gàidhlig ach nach robh e furasda dhaibh moran uidhe dheanamh le cion leabhraichean. Thug mi dha ainmean nan leabhraichean a bha sinn a cleachdadh aig a chlass Ghaidhlig an so agus tha mi ’n dochas gu’n deach aca air beagan dhuibh fhaotainn. Bhithinn ro dheònach air cluinntinn a rithisd o “Iain Chanada” (se so an t-ainn a chuir e ri ’litrichean) troimh ’n MHAC-TALLA agus tha mi cinnteach gu’m bitheadh bhur luchd-leughaidh gu lèir toilichte naigheachd fhaighinn uaithe. Bhithinn na choman na’n innseadh e dhuinn ciamar a tha ’n comunn agus an class Gaidhlig a dol air an aghaidh. Thug mi sgriob a’ dh’ionnsuidh na Gaidhealtachd o chionn beagan sheachdiunnean agus cha n eil mi ’n duil gu’m faca mi an dùthaich riamh a’ coimhead ni’s fhearr. Tha ’m bàrr gle throm air feadh na dùthcha gu léir, agus ma bhitheas am fogharradh fàbharrach cha bhi easbhuidh air duine no ainmhidh fad a gheamhraidh. Air dhomh a bhi dol troimh Dhuneidean thaghail mi aig bùth-leabhraichean Thormoid Mhic Leòid (air North Bank Street.) Chuir Mr. Mac Leóid fàilté orm gu furanach agus sheall e dhomh moran sheann leabhraichean Gaidhlig. Na’n robh mo sporan cho làn ’s a bha e cho falamh cha robh mi air tighinn air falbh gun làn mo mhàileid dhuibh. Is e fior-Ghaidheal agus deadh sgoilear Gaidhlig a th’ ann a Mr. Mac Leoid agus mar sin cha ’n eil e càll cothrom sam bith air bhi ’cuir ris an àireamh mhor a th’ aige cheana de leabhraichean Gaidhealach. Fhuair mi eòlas o chionn ghoirid air comunn air nach cuala mi riamh iomradh roimhe. ’Se is ainm da “Na Dlighich” neo ordugh an Naoimh Germain” agus tha buill a chomuinn glè eudmhor mu bhi cumail taice ri Prionnsan a chaill sealbh air rioghachdan an athraichean. Tha iad a’ cur a mach paipeir-naigheachd da’n ainm “an dligheach” agus tha earuinn de’n àireamh mu dheireadh a thàinig a mach air a chlo-bhualadh anns a Ghaidhlig. Tha iad mar an ceudna a craobh-sgaoileadh feadh na dùthcha duilleagan beaga ann an Gàidhlig a tha ’a cur an céill nam firinnean anns am beil iad a creidsinn. Co dhuibh tha sinn de’n aon bheachd ris na “Dlighich” an nithe éile no nach eil tha sinn toilichte bhi ’ga ’m faicinn a toirt a h-àite féin do’n Ghàidhlig. Gu ma fada beò gaeh comunn agus gach duine ’tha deanamh so. CABAR FEIDH. Lunnuinn, 12, 9, 94. Litir a Strathalba. FHIR MO CHRIDHE:—So agad dollar o Chaitriana ni ’n Chalum, mar theirte rithe na h-òige,—Nighean do Chalum Dòmhnullach am Bearnasdul ’san Eilein Sgiathanach. Dh’ fhag i tir a dùchais maile ri companach, air ùr phósadh anns a bhliadhna 1841 ’s thùinich iad ’an Ceap Breatunn. Tha i sea bliadhna na bantraich. Chaochail a companach, Iain Caimbeul, mac do Iain Ruadh Cléireach á Sgiathabost anns a bhliadhna 1888. Tha i nise dlùth air a cheithir-fichead, ach tha i cho dìreach ri saigheid agus cho gniomhach, a réir a neart, sa bha i na h-òige, ’s tha a cuimhne ’s a h-aithne gun ghaiseadh. Tha i ’leughadh a MHAC-TALLA gach seachduin ’s mar sin a faotuinn ’a mach dé tha dol air adhart anns an t-saoghal cho math ris a mhuinntir tha leughadh nam paipearan gallda. Bha mi thall ga faicinn an uiridh agus ’nuair chunnaic mi toirt làmh air bàrd MAC-TALLA thug i ’m chuimhne mar thuirt am bàrd Mac Gilleain mun chuirteir.— “Cha ’n ioghnadh òigridh thoirt mòran spéis dha ’Nuair ’tha na seann daoin’ tha ’call an léirsinn ’S an cinn air liathadh cho dian an déigh air, ’S nach dean iad fhaicinn mur cleachd iad speuclair.” Cha n-eil naidheachd ùr agam duit. ’Smath a naidheachd a bhi gun naidheachd idir. Thug thu fhéin iomradh air a ni mhuladach a thachair anns na h-Eileanan Coille, ach cha robh fios agad gu’m bu mhac an gille a chaidh a mharbhadh do Sheumas A. Mac Ille-Mhaoil a tha ’sgriobhadh cho taitneach thugad as an àite sin. Beagan bhliadhnachan air ais chaidh mac eile le Mr. Mac Ille-Mhaoil a mharbhadh gu h-oban leis a charabad iaruinn ann am Boston. Tha co-fhaireachadh aig càirdean ’s aig luchd-eòlais risan agus ri bhana-chompanach chliùiteach a tha nise as ùr air an ciùrradh le bàs cho muladach. C. C. Strathalba, Sept. 19, ’94. THUG Morair Rosebery, priomh mhinisteir Bhreatuinn, cuairt do’n Ghàidhealtachd air a’ mhios so, agus chuireadh fàilt’ us furan air. Thug muinntir a Chaisteil-Ruaidh, Ionbharnis, us Dhornoch saorsa na’m bailtean dha. Tha fear de na ceannaichean a’s beairtiche th’ ann an Lunnuinn gun ghuth sgoile; cha leugh ’s cha sgriobh e, ’s tha ’bhean cho fad air ais ris féin. O chionn ghoirid, chaidh ceud mìle punnd (£100,000) a thoirt uaithe le slaoightearachd, ’s cha robh fhios aige gu robh dad cearr. Ged tha e faighinn air adhart gu math gun sgoil, gheibheadh e air adhart na b’ fhearr na’m biodh beagan aige. [TD 98] [Vol. 3. No. 13. p. 2] DONNCHA CAIMBEUL. BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK. V. (Air a leantuinn.) Bha laithean agus solasan ar n-oige a’ dol seachad le ’cheile ach bha curaman agus solasan eile a’ feitheamh oirnn. Mar dh’ fhas sinn ann an neart agus an am bliadhnaibh, chuibhtich sinn a’ bhuachailleachd, gu bhi a’ gabhail ar pairt fein ann an saothrachadh an fhearainn, anns am biodh Mairi gu tric ’g ar cuideachadh. Bha i fein agus Donncha ’n an comhaoisean—bha esan ard, eireachdail agus aoidheil; agus ma bha aon nighean eile anns an sgireachd a bu bhoidhche na Mairi, cha b’i sin barail Dhonnchi na mo bhaireil fein. Bu tric leinn a bhi a’ coimeas gach maighdinn a b’ aithne dhuinn ri ’cheile, a thaobh an eireachdais agus am buadhan, ach b’ fhada uainn a ghabhadh e, an te a b’ fhearr dhiu a choimeas idir ri Mairi. Bha i firinneach, simplidh, neo-chiontach agus na’m b’ ainneamh iad a bu mhaisich, bu ro ainneamh iad a bha cho math agus cho taitneach, ionmholta ’n an cliu agus an giulan, ach mar a bha i a’ fas ann a laithean, chite gu’n robh i mar a ceudna a’ fas ni bu toighiche air cuideachd Dhonnchai, agus mu ’n robh i thar naoi bliadhna deug a dh’ aois, thuit i ann a gaoil a thug atharrachadh aithnichte air a giulan, air a spiorad agus air a slainte. Air uairibh, bhiodh i cho sunndach mireagach ri piseig, a’ seinn, a dannsa agus a’ gaireachdaich le aotromas deothasach, neo-mheasarra. Air uairibh eile, bhiodh i tosdach, trom-inntinneach, le cianalas marbhanta ’na gnuis, leis a robh boichead a h-iomhaigh air a meudachadh. Cha bu ghaol gun chomain e; ach chum Donncha ’fhaireachduinnean ’na uchd fein, ged a bha iad gu soilleir air an taisbeanadh anns an t-suairceas chaomhail, chomhfhulangach a bha e a’ nochdtch gu bunailteach d’a taobh. Bha Mairi mar sud air luasgadh le eagal, agus le dochas, aig a robh a leithid de bhuaidh air a h-aignidhean agus air a giulan ’s nach bu chomasach dhi an eucail ioma-ghneitheach a bha a’ reubadh a cridhe simplidh, saor, neo-chealgach a chumail folaichte. Air do chuisean a bhi a’ seasamh anns an t-suidheachadh ud, thainig tuiteamas ’nar caramh, leis an robh ar sonas air a ghrad luasgadh, agus thainig a nis an t-am anns am b’ eiginn gu’m biodh bristeadh air a dheanamh air comunn cho chaoinhneil, cho gaolach agus cho chaidreach ’sa bha riamh a chomhnuidh fo’n aon fhardaich. Mu ’n am ud cha robh na caoirich mhora leis am bheil a’ Ghaidhealtachd a nis a’ cur thairis, ri ’m faotainn ach ro thearc an tuath na an air Druim-Alba, agus mar sin, bha a’ Ghaidhealtachd ann an tomhas an eiseimeil na Galldachd airson cloimhe gu bhi a’ deanamh aodaich da luchd-aiteachaibh. Fad mios na dha de gach samhradh bhiodh sgaothan de “mhnathan-cloimhe” tuathach, mar theirte riu, a siubhal air feadh n’an gabhalaichean chaorach ’s an taobh deas, a’ malairt sheudan saor, agus faoin-rudan, ann an suaip airson cloimhe; agus b’ ainmig oidhche air nach biodh aon na dha dhiu air chairtealan ann a tigh m’athar. Is ann o dhithis dhiu sud a fhuar Donnacha a mach co e, agus ciod a bha e: gur h-e a bh’ann, aon mhac agus oighre Tighearna Ghlinn-eilich, agus gu’n robh suim mhor air a tairgse do neach air bith leis am faighte mach e. Bha deagh fhortan Dhonnchai gu’n teagamh, ’na thoileachas-inntinn do’m pharantan, ach bha e ro chruaidh leotha dealachadh ris; oir bha e cho uigheil aca ri aon da ’n cloinn fein; agus tha mi creidsinn, o’n cheud latha chunnaic iad e, gus an latha air a d’ thainig na mnathan cloimhe ud ’na rathad, nach do smuaintich iad gu’n dealacheadh iad ris. Air mo shon fein dheth ’se a b’ fhearr leam nach robh na mnathan ud riamh air a breth; oir bha dealachadh ri m’ dheagh chompanach ’na sgaineadh cridhe dhomh. Ach cha robh ar faireachduinnean uile ach mar neoni an coimeas ri faireachduinnean mo pheathar, Mairi. O’n latha a dh’ fhalbh na mnathan cloimhe, cha ’n fhacas fiamh-ghaire air a gnuis; cha d’ rinn i teugmhail a cridhe aithnichte do neach fo’n ghrein, agus bha i ’n duil gu ’n robh a gaol do Donncha fhathasd na dhiomhaireachd do na h-uile neach. Mar theaghlach, laidh dubhachas tiamhaidh air ar caidreamh o’n am ud; gheibhte sinn latha an deigh latha a’ suidhe agus ag eirigh o’n bhord gun dad de chonaltradh saor no suilbhir ri cach a cheile. Aon latha aig am dinnearach, bhrist m’ athair a stigh air an tosdachd neo-aodheil ud, agus thuirt e ri Donncha, “gu’n robh e an dochas nach robh e cur roimhe ar fagail an cabhaig.” “Tha mi duil,” arsa Donncha, “falbh am maireach.” Thuit an sgian a laimh mo mhathar; sheall i direach ’na aodann car mionaid. “A Dhonnachai”—ars’ ise, le guth bristeach, agus i sileadh dheur—“A Dhonnchai, dh’ fhairtlich orm riamh thuige so ’fheoraich dhiot, ach tha mi ’n dochas nach e do run ar treigsinn gu buileach? Phut Donncha a thrinnseir uaithe gu meadhon a bhuird—ghlac e leabhar a bha lamh ris air bonn na h-uinneìge, agus thoisich e ri tionndadh nan duilleagan. Dh’ fhag Mairi an seomar. Cha do fhreagair Donnacha, agus cha dubhairt mo mhathair smid tuilleadh ris aig an am ud; agus mar sin sgaoil ar comunn beag ann an tosdachd mar b’abhaist. An uair a chruinneach sinn a rithist ’s an fheasgar, bha sinn cho tosdach ’s bu ghnath leinn. Thoisich mo mhathair air seanachas mu chaochladh de nithibh, ach bha e soilleir nach robh a bheag de cheangal aig a smuaintean ris na briathran a bha air a bilean. “A Dhonnachai,” ars m’athair. “Cha’n fhada gus a leig thu sinne as do chuimhne; ach tha cuid dhinne nach diochuimhnich thusa ri ’luathas.” Ghrad dh’ eirich Mairi agus chaidh i rithist a mach as a t-seomar: cha do labhradh focal tuilleadh re an fheasgair, gus an do ghairmeadh an teaghlaich a dh’ ionnsuidh an aoraidh. Bha earrann de urnuigh m’ athar air an oidhche ud air am bheil fathasd deagh chuimhne agam, facal air fhacal. Faodaidh i a bhi neo-thoirteil ann am beachd mo luchd-leughaidh ach rinn i drughadh domhain oirnne agus cha d’ fhag i suil thioram am measg an teaglaich uile. Bha an earrann ud mar a leanas. “A Dhe, is treud beag neo-fhiughail sinne a tha an so air ar gluinnean ann ad lathair, ach beag mar tha sinn, is e is docha nach lub sinn uile ar gluinean le cheile ’n ad lathair ni ’s mo anns a’ bheatha so. Bha sinn fada le cheile ann an sith agus ann an suaimhneas, agus an dochas gu ’m faodamaid a bhi mar sin moran mi b’ fhaide; ach o’n i’s do thoilse gu’n dealaich sinn, cuidich leinn striochdabh dhi gu bunailteach agus ged sgapar leat sinne ri ceithir ghaothaibh neimh, biohh do ghairdein uile-chumhachdach mu ’r tiomchioll airson maith, agus deonaich gu ’n coinnich sinn uile fadheoidh ann an [TD 99] [Vol. 3. No. 13. p. 3] saoghal is fearr.” Air an ath mhaduinn, dh’ eirich Donncha gu moch, chuir e uime an deise a b’ fhearr a bh’ aige, agus phaisg e suas caochladh de rudan beaga a bhuineadh dha. Bha mise air mo chur uige gu goirt, n’am luidhe ’s an leabaidh agus a leigeil orm a bhi ’n ’am throm chadal. ’N uair a bha Donncha ullamh chuir e ’ultach fo ’achlais, thainig e gu taobh na leapa a dh’eisdeachd an robh mise ’n am dhusgadh. Sheas e car greis a’ sealtuinn an drasd ’sa rithist air an dorus, agus chunnaic mi e uair na dha a’ suathadh a shul. Mu dheireadh, chaislich e mi gu caomhail, a’ feoraich an robh mi ’n am dhusgadh. Fhreagair mi e mar gu ’m bithinn ’n am leth chadal. “Mo shoraidh leat,” ars’ esan agus e a’ sireadh mo laimhe anns an dorcha, “Nach feith thu ri d’ bhraiceas leinn,” thuirt mi ris. “Tha mi saoilsinn,” arsa Donnacha, “gur h-e is fearr domh seapadh air falbh, oir sgainidh e mo chridhe, mo shoraidh fagail aig do pharantan agus aig.” Agus co aige, a Dhonnchai,” ars mise. “Agus agad fein,” ars esan. “Cha’n e sin is fearr, a Dhonnchai” arsa mise; gabhaidh sinn uile ar braiceas le cheile, airson na h-uair ma dheireadh, agus an sin, gabhaidh sin ar cead de chach a cheile.” Re na h-uine a shuidh sinn aig a bhord, bha ar conaltradh mu na laithean a dh’ fhalbh, gle dhruidhteach. ’Nuair a thug m’ athair buidheachcs, bha fios againn ciod a bha gu tighinn, agus thoisich sinn air sealltuinn an aodannaibh a cheile. Dh’ eirich Donnacha, agus air dhuinn a luchdachadh le ar guidheachan cairdeil agus le ar beannachdan, phog e m’ athair agus mi fein. Thionndaidh e mu’n cuairt; chite gu soilleir ’na shuil gu’n robh e ag ionndrainn cuid-eigin nach robh sa’n lathair ach bha a chridhe cho lan ’s nach b’ urrainn e diog a radh. “C’ aite am bheil Mairi?” arsa m’athar. Bha Mairi air chall. Rannsaich sinn gach cuil a’s cuilidh s’an tigh, anns a’ gharadh, agus an tighean n’an coitearean, ach cha d’ fhuarudh i. Mairi bhochd threigte, leointe, aonarach! Dh’fholuich si i fein fo sheann chraoibh iubhair a bha dluth do’n tigh, far am faiceadh i cuspair a ceud ghaol, agus annsachd a sul a’ toirt cul a chinn rithe, gun i bhi air a faicinn a’ taomadh a mach tuiltean maoimeach a cridha an deigh Dhomachai. Mairi bhochd! Bu tric a chuala mi gu soilleir o sna throm a cleibh, agus a chunnaic mi a suilean dearg le caoineadh; agus bu leoir e gu cridhe adamaint a leaghadh, am fiamh ghaire fann leis am biodh a h-aghadh, throm, mharbhanta a’ lasadh suas, ’nuair a chluinneadh i aon air bith a’ labhairt gu speiseil mu Donnacha. Air feasgair an t-seathamh latha a deigh do Donnacha tigh m’ athair fhagal, rainig e tigh-mor Ghlinneilich, a tha ’na sheasamh air srath beag, boidheach, coillteach ann a sealladh an Iar-chuain agus Innse-Gall. Bha gach craobh, a’s creag agus frith-rathad fhathasd gu soilleir ’na chuimhne; agus cha ’n urrainnear faireachduinnean blath cridhe Dhonnchai, mar a bha e ’tighinn dluth air tigh ’athair, a thuigsinn, ach a mhainn le cridheachan rud-eigin co-ionann ri chridhe fein. Dh’ fhoghluim e o duine a choinnich ris air an rathad, ach do nach d’ rinn e e fein aithnichte, gu’n robh ’athair fhathasd beo; ach nach d’ fhuair e riamh an uachdar air call a mhic, airson an robh e ri sior chaoidh gach latha; gu’n robh a bhean agus a nighean straiceìl, cruaidh-chridheach ris neo-shuimeil mu ’thoil agus a deanamh laithean a sheann aois anabarrach mi-shona dha; gun d’ fhogair iad an t-seann tuath agus na coiteirean as an oighreachd, agus gu’n robh an aiteachan air a lionadh le cairdean cumanta, graisgail, ladarna bain-tighearna, o nach robh e a faotainn ach ro bheag de mhal, de urram, no de umhlachd. (Ri leantuinn.) Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH, Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith irt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 100] [Vol. 3. No. 13. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 29, 1894. A Canada Ard. Tha ’m foghradh seachad agus tha ’bhuain a stigh. Tha gach aon a nis gu trang a bualadh toradh na talmhainn a chaidh a thoirt dhaibh. Cha’n eil e ann am bitheantas os ceann a dheich uiread ’sa chuireadh; faodaidh e bhi ann an corra àit gu’n déid e fhichead uirerd ach ’s ann ’an àit gle ainneamh. Bha ’m bàrr, ri ghabhail thar a chéile gu math aotrom oir bha ’n samhradh cho tioram ’s gu’n do stad e mu’n robh e aig leth ’fhàis. Ach cha n-eil aobhar bhi gearain againn; bidh gu leòr againn an son ar cumail beò bliadhn’ eile, agus ’s math a bhliadhna dh’ fhoghnas dhi féin. Tha cuid a’ gearan. Bha agus tha cuid ri gearan, agus bidh iad a’ gearan ri’m beó, agus tha aobhar eagail ann gu faod aobhar ghearain a’s mò bhi aca an deigh am bàis. Tha cuìd ann ’s tha iad a’ smaointinn gu’n sluig iadan saoghal le aon làn beòil, oir cha’n eil iomradh ac’ air gu bheil saoghal ann ach am fear a ta làthair. Tha mi taingeil gu faod mi a rádh mach eil moran de’n t-seorsa sin ri ’m faotainn am measg nan Gàidheal timchioll a bhaile bhig so. Chaidh moran calla dheanamh leis an teine anns a’ chearna so de’n dùthaich. Chaidh muilleann sàbhaidh le Cloinn Eachairn a losgadh ann an Durham, agus chaidh muiilein troigh de gach seòrsa fiodha ’na smùid. Tha ’n call air a mheas aig leth-cheud mile dollar. Ach tha iad beairteach gu leòr fhathast. Tha sinn a faotainn uisge gu leòr a nis agus gu cinnteach bha feum againn air. Bha ùpraid mhor againn air an t-samhradh so anns an tigh-sgoile th’ againn ’san àite so. Bha fuaim iongatach a’ dol air adhart am feadh sa bhiodh a bhan-mhaigstir a’ teagasg na cloinne. Bha cuid a smaointinn gu’m b’e manadaireachd air choir-eigin a bh’ ann, cuid eile theireadh gu’m bu bheothach fiadhaich a bha fo ’n ùrlar, agus mar sin sios. Bha iad as gach cearn ann, agus bha iad cho glic a tighinn ’sa bha iad a falbh. B’ fheudar dhuinn tigh-sgoil’ ùr a thogail, agus an seann tigh fhàgail aig a bhòchdan. A reir coltais, mar tha cuid a’ creidsinn, cha robh bòchdan ann ach bòchdan beò; ach cha’n abair mi ’n còrr an traths’. Cha’n eil mi dol a radh moran aig an àm so, oir tha eagal orm nach urrainn duit na chuir mi sios cheana a dheanamh mach. Bu mhath leam a’ Ghàilig a chumail suas cho math ’sa b’ urrainn domh. ’Se sin a dhùisg mi air oidhche nochd gu suidhe sios agus beagan a chur thugad dhi. Slàn leat an tràths. Cha’n eil mi dol chur m’ ainm sios, ach. Rugadh m’ athair ann am Muile, ’S mo mhàthair chaomh ’s an aon bhaile; Chaidh mise bhreith ’sa choille mhòir, ’N uair bha i tiugh us àrd gu leòr. Is mise ur caraide dileas, MAC’ILLEASP’ ’IC NEILL ’IC ALASDAIR. Priceville, Ont.. Sept. 14mh, 1894. THA mach ’sa stigh mu 5,000,000 sluaigh ann am baile mor Lunnuinn. Tha còrr us 1,000,000 dhiubh so aig a’ bheil ri tigh’nn beò air coig tasdain fhichead ’s an t-seachdain mu choinneamh gach teaglaichi agus tha 300,000 eile ann am fior bhochduinn. ’Si Austria an aon dùthaich anns an fhusa do mhurtair a bheatha ghleidheadh. Anns a’ bhliadhna 1879, fhuarieadh ochd ceud ’sa sia deug (816) ciontach de dhòrtadh fuil an co-chreutairean, agus cha do chuireadh gu bàs dhiubh sin ach a còig air flichead. THA e air a mheas na onair mhòr le saighdearan, am beatha chall ann an dion an dùthcha. Bha fear dhe’n t-seòrsa sin ann am blàr air uair, agus bha e air a dhroch leònadh. Ach ged bha ’n leòn dona, chuir e mìothlachd mhor air gu robh leithid de ghaoir aig daeine leòint’ eile ’s nach mor gu’n cluinnte ’ghlaodh fhéin idir. Mu dheireadh chaill e fhoighidinn gu buileach ’s dh’ eubh e mach, “Sguiribh dhe ’ur donnalaich thall an sin! A’ bheil duin’ idir air a mharbhadh ’sa chath so ach sibhse!” JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR. Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 101] [Vol. 3. No. 13. p. 5] NAIDHEACHDAN THUIT mullach taigh-sgoile ann an Naples (’s an Eadailt) air an t-seachdain s’a chaidh agus chaidh fichead dhe’n chloinn a mharbhadh ’na bhroinn. CHAIDH àireamh de dhaoin’ òga chur as an obair ann am Méinn Ghowrie air an t-seachdain s’a chaidh, air son a bhi deanamh dearmad air an obair. OIDHCHE Mhàrt, bha soitheach smùid a dol a mach le luchd guail, agus bhuail i ann an soitheach iasgaich a bha tighinn a stigh, agus rinn i droch mhilleadh oirre. THA Mercier, a bha na Phriomhair air mor-roinn Chuibec àireamh bhliadhnaichean, gu tinn. Tha na dotairean a deanamh dheth nach bi e beò ach beagan lathaichean, CHAIDH tri fichead tigh a chuir ’nan teine ann a Warsaw, am Poland, oiche Di-luain, Bha aireamh dhaoine anns na taighean tinn leis a cholera agus chaidh an losgadh gu bàs. Tha fear Iain Ambruy, a mhuinntir Berwick, Ont. air a chur do’n tigh-oibreach ’s tha aige ri da bhliadhna chur seachad ann, air son tuilleadh s’a chòir de mhnathan a bhi aige. THA ’n t-side air tionndadh gu math fuar. Bha toiseach na seachdain so fuar gu leor air son ceud mhios a gheamhraidh. Ach cha’n fhada nis gus am faigh sinn “Samhradh beag nan Innseanach.” BHA stoirm ghàbhaidh anns na h-Innsean an Iar, ’s anns na dùchannan mu’n cuairt air an t-seachdain so. Bha i cho garbh ann a Florida, ’s gu ’m b’ fheudar na rathaidean iaruinn uile chur ’nan tàmh. THA Seanalair Booth, ceannard Armailt na Slàinte an drasd ann a Halifax, ’s tha roimhe cuairt a chur air Canada. Cha robh e ’s an dùthaich so riamh gu so. Tha e teagasg na h-uile feasgar agus tha àireamh mhìltean a dol ’ga éisdeachd. BHA cuairt-ghaoth ann an cearna de na Stàitean an Iar toiseach ua seachdain so agus bha call mor air a dheanamh leatha. Bha àireamh dhaoine air am marbhadh, agus chaidh milleadh uamhasach a dheanamh air taighean ’s air togalaichean dhe gach seòrsa. ’N uair bha ’n t-Urr. R. Domhnullach, Sagart Hawkesbury a fàgail a pharaisde air son a dhol gu New Glasgow, thug an sluagh dha ceud dollar mar ghibht, agus thug sagairt òga na sgireachd dha cupan-comanachaidh òir. Bha Mr. Domhnullach ann a Hawkesbury sia bladhna. Bha Féill Halifax air a fosgladh feasgar Di-màirt, le oraid bhlasda o Riaghladair na mor-roinne, Mr. Daly. Bha taosg mor sluaigh cruinnn agus bha ceòl air a chumail riutha le “band” aon de na réiseamaidean. Bha gach ni a bh’ ann air an cur ann an deagh òrdugh. ’S e ar barail gu bheil na chaidh dh’ ionnsuidh na Féille làn riaraichte le’n turus. BHA teine ann am Moncton, N. B., Di-luain. Thoisich e ann am bathach-each far an robh treud ghillean a cleasachd. Chaidh a bhàthach agus àireamh de thighean eile ’losgadh gu làr. Tha ’n call air a mheas a mach ’s a stigh mu choig mile deug dollar. Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an Eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha na seirbheisean àbhaisteach air an cumail air an t-seachdain. Tha na h-Urr. Mr. Stirling, á Eilean a Phrionnsa, agus Mr. Calder, á Mira a cuideachadh an Urr. Mr. Forbes. A charaid chòir an iasaid, cuir a dh’ iarraidh a MHAC-TALLA. Cuirear thagad e fad bliadhna, ’s cha’n iarrar ort ach dollar. Mur-a fiach e sin na leubh e; fuirich uaith, neo gabh dhuit fhein e. De ’n rud nach pàigh thu na gabh spéis, neo bheirear beum dhuit leis gach ballach. THA muinntir Shina ag altrun gamhlas mor do na coigrich. Cha’n eil iad glé chàirdeil riutha ’n uair a’s fhearr iad, agus o’n thoisich an cogadh ri Iapan, tha barrachd fuath aca dhaibh. Tha Breatunnaich, Frangaich, us eile, uile air an aon ruith aca. Tha na coigrich gu tric a’ fulang moran mi-mhoidh air na Straidean. THA feadhain a deanamh mach ma leanas na sealgairean air marbhadh na h-uiread de na cearcan-tomain, nach fhada gus am cuir iad as dhaibh gu buileach. Cha’n eil ian seilg anns an dùthaich so a nis ach a chearc-thomain fhéin, agus ma tha cunnart sam bith gu’n téid as dhi, ’s coir do’n luchd-riaghlaidh ni-eigin a dheanamh ’g a dion mu’m bi e tuilleadh us anmoch. Tha ’n Fhraing a cur roimpe Madagascar a bhi aice ge b’e cò chuireas na h-aghaidh, agus ’s i barail nan uile gu bheil a leor aice ri dheanamh. Tha ’n t-side cho mi-fhallain ’s nach seas Frangach no Eorpach ’sam bith rithe ach ùine glé ghoirid, agus a bharr air sin tha na nàisinnich gu math laidir, agus làn shuidhichte air na Frangaich a ruagadh air falbh as an criochan cho luath ’s thig iad. IADSAN a théid do’n stòr aig D. J. Domhnullach, chi iad bocsa beag anns a bheil ri fhaicinn bonn òir is fhiach fichead dollar. An deigh na bliadhn’ ùire’ am fear no ’n té aig am bi an iuchair a dh’ fhosglas am bocsa, gheibh e no i am bonn òir a nasgaidh. Ma tha thu air son iuchair fhaotainn, ceannaich fiach dollar no còrr anns an stor. Tha ’m bathar cho math ’s na prìsean cho iosal ’sa gheibhear anns a bhaile. THA dotairean Lunnuinn an deigh leigheas fhaotainn do’n Amhaich Ghoirt. Tha ’n tinneas sin glè dhona ann an Lunnuinn an dràsda, agus tha ’n leigheas ùr so a’ cur casg mor air. Chuir an Dotair A. S. Kendall ’sa bhaile so fios gu Lunnuinn o chionn ghoirid, air son an stuth. Tha toil aige bhi deiseil, gun fhios c’uin a dh’ fhaodas an tinneas cendna bristeadh a mach an taobh so. Tha ’n dùthaich gu math cùibhteas e aig an àm so. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 102] [Vol. 3. No. 13. p. 6] Facal mu’n Ghaidhlig. Tha sinn a toirt na litir a leanas as an Oban Times. Bha i air a sgriobhadh ann am Bankok, ceann-bhaile Siam, air an 21mh latha de dh Iulaidh. FHIR DEASACHAIDH.—Fhuair mi Tiom an Obain air an t-seachduin so chaidh, agus aig a’ cheart àm paipeir Gàidhealach (MAC TALLA) á Lunain. Cha’n fhoisrach dhomhsa cò ’chuir g’ am ionnsaidh e. Bhithinn anabarrach toilichte na’n sgrìobhadh e. Leugh mi ’s a’ phaipier agaibh gu robh nàire air mòran Ghaidheil Gàidhlig a bhruidhion. Tha sin glé fhìor. Is truagh an gnothach! Thig fear glic (’n a bharail féin) agur their e, “Dé m’ feum a th’oirre? Cha chuir i airgiod ’n ar pòca!” Choinnich mi-fhéin mòran da ’n, t-seòrsa sìn. Iadeah a’ bruidainn mar sin agus nach téid aca air a’ Bheurla ’labhairt ro mhaith Theid iad do’n Ghalldachd a dh’ obair; an ceann dà bhliadhna cha’n ’eil Gàidhlig idir aca—ma tha, tha i fuasach gann, agus aig Féill Ghlaschu théid iad dachaidh ann an còta sgoilte, briogaisean fada agus ad dhubh. C’ar son a bhruidheneadh daion’ uaisle Gàidhaig? ’S e spiorad suarach a th’ann! Chuna mi ann am MAC TALLA naigheachid ghoirid; feumaidh mi a h-innseadh. Choinnich ministear ainmeil Gàidhealach nàmhaid do’n Ghàidhlaig, agus an t-àm a bha iad a labhairt ri’ chéile mu dhéighinn na Gaidhlig, thubhairt an duine. “Ciod e am feum a bhi ’cumail suas na Gàidhalig; is cinnteach gu’m faigh i bàs co dhiù; nach ’eil cho math leigeil leatha siubhal ’an sith?” So freagairt a mhinisteir:—“Ciod e am feum dhuit sa ’bhi g ad chumail féin suas le itheadh agus òl, oir gheibh thusa bàs mar an ceudna latha éigin?” Cha robh facal eile aig an duine ri ràdh. Tha Gaidhlig ri faotinn a mach an so am measg fir-inneal bàtaichean nan smùid. Cha bhi fios aig neach cho milis a’s tha’n t-seann chànain gus an tig iad thairis. Gur tric a bhios mo smuaintean a nis air Muile nam mòr bheann agus an uair a bhithinn ag iasgach bhreac ’s na sruithean. Bha na seann daoine cóir laghach, facal caomhail daonnan aca. Chi duine gu robh mòran de’n seann spiorad uasal Ghaidhealach ag amharc le duilichinn air an teaghlach ’fàs suas cho toigheach air fasain ghalda. Tha ’ghrian ag éiridh nis. Faodaidh mi tighinn gu stad le rannan a’bhàird;— Tha ’Ghaidhlig ’s a’phìob ag éiridh Gu nòr spèis ’an tir nan Gàidheal; Urram gach ciùil li deagh reusan, ’S ann aig a’ phìob fèin a tà e; Gach fonn ceileir a thig a ’braghad, ’S i ’s binne ’s a’s àirde ’sheinneas, Cha chluinnear ceòl eile làimh rithe. Le beannachd agus gach dùrachd math, ’s mise, ROB MC ’ILLE DHUIBH. Am Bard Mac Codrum. Tha luch-dùthcha a bhàird ainmeil so an dràsda air cur mu dheaghainn carragh-chuimhne chur suas dha. Cha’n eil a nis ach da bhliadhna dhith a cheud o’n chaochail e, agus riamh uaithe sin tha ’uaigh, ann an cladh Chill-mhonaidh, ’an Uidhist a Chinn-a-Tuath, air a comharrachadh a mach le lic leathainn a thagh e féin roimh àm a bhàis. Ach anns na bliadhnaichean ri teachd bidh comharra aig an uaigh a’s airidhe air ainm us cliù a bhàird nach maireann, agus a nochdas gu bheil aig a luch-ddùthcha spéis d’a féin ’s d’a bhàrdachd air nach toir tìm caochladh. Air aon taobh dhe’n charradh, tha air a sgriobhadh ann an Gàilig,—“Mar chuimhneachan air Iain Mac Codrum (Iain ’ic Fhearchair ’ic Iamhair), am Bàrd Uidhisteach, 1710-1796. Air taobh eile, tha na briathran ceudna ann am Beurla, agus air iochdar na claiche, thà da rann de “Smeòrach Chlann Domhnuill,” “Ma mholas gach eun a thìr fèin, Ciod am fàth nach moladh mise Tir nan curaidh, tìr nan cliarr An tìr bhichair fhialuidh, mheasail. ’N tìr a’s bòiche ta ri faicinn ’M bi fir òg an còmhdach dreachail; Pailt ni’s leòr le pór na machrach; Spréigh air mòintich; òr air chlachan.” Tha òrain ’Ic Codrum, maille ri òrain Ghilleasbuig Dhomhnullich (Gille na ciotaig), bard Uidhisteach eile, ann an lámhan a chlo-bhualadair ’an Glascho agus cha ’n fhada gus am bi iad am mach. ’Se ’n t-ainm a tha gu bhi air an leabhar, “An co-chruinneachadh Uidhisteach.” DH’FHALBH moran sluaigh as a bhaile ’sa mhaduinn Di-ciaduin gu dhol gu Feill Halifax. Dh’fhalbh moran eile á Port Morien, Glace Bay us Bridgeport, agus á Sidni Tuath. Cha robh falbh us tilleadh a cosg ach tri dollar. Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 103] [Vol. 3. No. 13. p. 7] Am Mod Gaidhealach. Bha treas mòd bliadhnail a Chomuinn Ghàidhealaich air a chumail anns an Oban air Di-màirt an t-aonamh latha deug dhe’n mhios so, agus tha na h-uile bha làthair ag radh gu’n d’thug e bàrr air an da mhòd a bh’ ann roimhe ged bha iad le chéile math gu leòr. Bha sluagh mor cruinn, agus chaidh gach ni air adhart gu rianail, òrdail, Bha duaisean air an toirt seachad air son sgriobhaidhean Gàilig air son Bàrdachd, leughadh, seinn, agus piobaireachd. Choisinn Niall Ros, à Gleann-dail ’san Eilean Sgiathanach, a cheud duais air son sgriobhadh Gàilig, agus Uillean Gillios, à Lunnuinn an darra duais. Fhuair Iain Mac Fàidein, Glascho, a chud duais, ar son bàrdach Ghàilig, agus Nialll Ros, Gleann-dàil, an darra. Air son eadar theangachadh bàrdachd Ghailig gu Beurla, fhuair Calum Mac Lùcais, Duror, a cheud duais, agus Alasdair Stiùbhart, Polmont, an darra. Air son sgeulachd Ghàilig fhuair Iain Mac Fàidein a’ cheud duais s’ Niall Ros an darra. Air son sgeul no oran Gàilig aithris air an teangaidh, fhuair Gilleasbuig Munn, as an oban, a cheud duais, Iain Mac Fàidein, Gleann liobhain, an darra, Mairi Nic Artair an treas, agus Alasdair Domhnullach, Glascho, an ceathramh. Air son leughadh Gàilig fhuair Màiri Nic Artair a cheud duais, Gilleasbuig Munn an darra, agus Alasdair Stiùbhart, Gleann-liobhain, an treas. Bha an sin deuchdainn air a chur air luchd na seinn. Bha da choisir-chiùil òigridh ann, aon as an Oban ’s aon á Liosmor. Fhuair coisir Liosmor an duais. Bha an sin duaisean air an toirt seachad do ghillean ’s do nigheanan òga air son seinn òran leotha féin. Cha robh ach dithis nighean anns a choimh-shreip, ’s bhuineadh iad le chéile do’n Oban ’s fhuair Seònad Laurie an duais. ’Se ’n t-òran a sheinn i “Fhir a Bhata.” Bha ceathrar ghillean air am feuchainn, agus fhuair Iain Bell, Oban, an duais. Cha robh aig na breitheamhna ach an aon duais ri thoirt seachad. ’Se ’n t-òran a sheinn Iain Bell, “Ged tha mi gun chrodh gun aighean.” An sin bha duaisean air an toirt seachad air son piobaireachd le gillean òga. Fhuair Domhnull Hunter, ’san Obán, a cheud duais, agus Domhnull Mac Calmain ’san Oban, an darra. An deigh sin bha deuchainn air a chur air na coisirean-ciùil. Bha sia dhiubh a láthair, agns sheinn iad uile gu math, ach thug coisir-chiùil Challuim-Chille, ’an Glascho a mach an duais a b’ àirde. B’ fheudar an darra duais a roinn eadar da choisir, aon as an Oban ’s aon á Glascho. Rinn na breitheamhna moladh mòr air na Coisirean uile. An deigh sin bha duaisean air an toirt seachad air son seinn Gàilig le fir us mnathan. Dhe na mnathan, fhuair Mairearad Dhomhnullach, á Glascho a cheud duais; sheinn i, “Crodh Chailein.” Agus fhuair Cairistine ’Nic-Ille-mhicheil, á Glascho an darra duais. ’Se ’n t-òran a sheinn ise, “Fhir a Bhàta.” Dhe na fir, fhuair R. Mac Leoid, á Ionbharnis, a cheud duais; sheinn e, “Théid i ’s gu’n téid i leam.” Fhuair Padruig M. Domhnullach, à Glascho, an darra duais le seinn, “S e ’n leòn an gaol.” Fhuair Uilleam Caimbeùl, á Glascho, an treas duais, le seinn “C’ àit an caidil an rìbhinn.” Thug so am mòd gu co-dhònadh. Anns an fheasgar, bha co-sheirm ciùil aca. Bha na coisirean uile làthair agus fhuair iadsan a chaidh ’g an èisdeachd òrain Ghàilig a chumail riutha gus an robh iad buidheach, Bha ’n talla, anns an robh iad cho lan ’sa chumadh i, agus bha moran do nach robh rùm anns an talla, a b’ fheudar-tionndadh air falbh. Thainig a cho sheirm gu crich le bhi seinn. “Dhia Gléidh air Crun.” Tha’n ath Mhod ri bhi ann an Glascho, air a bhliadna tha tighinn, air mios deireannach an fhoghair. Tha àireamh mhor Ghàidheal anns a bhaile sin, agus cha’n eil teagamh, ma ni iad an dichioll, nach bi ceathramh mòd a Chomuinn pailt cho math no na’s fhear na aon de ’n tri a chaidh seachad. Minards Liniment air son Loine. THA D. J Domhnullach an deigh stoc mor flùi.r fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. BHA oighreachd Ghlinn-Comhain air a creic ann an Dùn-eideann air a choigeamh latha dhe’n mhios so, agus tha i nise aig Sir Domhnull A. Smith, fear de Ghàidheil uaisle Chanada. Tha e air a radh gu bheil a Bhan-tighearna Smith càirdeach do Chlann Domhunill Ghlinn-Comhain. M tha sin ceart, thig an oighreachd glé nàdarrach dhi. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan, Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 104] [Vol. 3. No. 13. p. 8] A Ghruagach Dhonn nam Meall-shuilan. LE EOGHAN OG STRATH-NIN. E-san. A ghruagach dhonn nam meall-shuilean, Gu’n d’ chum thu ’n raoir a’ m’ chaithris mi; Gur beag tha dh-aogas cailinn ort, ’S do chul mar fhaileas oir. Mo run dhuit ainnir oig. Ise. Gu’n d’ thog iad moch Di-haoine orm Gu’n deachaidh mi do’n chaochan leat; Cha d’ fhuadaich sid mo ghaol-sa dhuit, Na ’m faodainn a bhi beo.— Mo run dhuit Eoghain oig. E-san. Gu ’n d’ thog iad moch Di-sathairn’ orm, Gu ’n robh mi-fhin a laighe leat; Bidh sinne mar sin fhathast, Is don-rath air luchd an sgeoil.— Mo run dhuit ainnir oig. Ise. Na ’m biodh de ghaol aig baintighearn’ ort Na thug mi fhin bho Chaingis dhuit, Bu shuarach chuirteadh saibhreas leath’; Gu ’m b’ oighreachd leath’ do phog.— Mo run dhuit Eoghain oig. Ged bha thu ’n rioir san ridhe so, Cha d’ fhaod mi ’dhol a bhruidhinn riut, Do bhreacan trom fo ’n t-snighe Is mo chridhe-s’ air a leon.— Mo run dhuit Eoghain oig. ’Sann aig a’ ghlacaig sheilich ud A rinn sinn fhin an dealachadh; Bu chaoimhneil biath ar faireachdainn, ’S gu talamh ruith na deoir.— Mo run dhuit Eoghain oig. Bu mhac Eoghan Og do dh-Eoghan Domhnallach ann an Strath-Nin, faisg air caisteal na Moighe. Ghabh e gaol air nighinn breabadair a bha ’na ban-seirbheiseach an taigh athar. Bha a chuideach an aghaidh dha a posadh. Thug e an t-arm air agus dh’eirich e gu bhi ’n a chaiptein. Thill e dhachaidh an ceann sheachd bliadhna, agus phos e an nighean. Bha da mhac aca, Gileabart agus Aonghas. Tha co dhiu tri fichead bliadhna bho na chaochail e. ANN an Switzerland, gheibh banarach obair na’s luaithe, agus tuarasdal na’s fhearr ma tha guth binn aice air son seinn nan òran. Bheir bò barrachd bainne ma bhios a bhararach a’ gabhail òrain an àm a bhi ’ga bleodhan. BHA na Gearmailtich o chionn fhada ainmeil air son na bhiodh iad ag òl de leann; ach anns na bliadhnaichean so tha iad a dol na’s aotruim’ air. Tha cearnan de ’n dùthaich an diugh anns am mò bheilear ag òl de bhlàthaich na de leann. So mar tha Domhnull a’cur thugainn a Dhollair agus a Moladh na Gaelig AIR FONN.—Fal, Fal, Fal De Ra Ro. So dhut dollar, fhir mo chridhe, Tha thu dligheach air san am; ’S gum a fada beo a’ Ghàelig Anns gach cearn tha bhos ’us thall; Buaidh is piseach air MAC-TALLA! Miann gach caraid’ e bhi ann Gu bhi seinn na Gàelig luachmhor Mar bu dual do Shiol nam Beann. Gu bhi seinn na Gaelig aosda Bh’ aig na daoine fearail, treun, A chaidh arach feadh nan Garbh-chrioch, ’S gum bu dealbhach i bho’m beul: Bha i’n cleachdadh’s gum bu bhlasd i Aig na gaisgaich ’bha ’san Fheinn; ’S air reir seanachais, anns a’ Ghàradh Gum bu chànan i do dh’ Eubh. Air feadh dùchannan Rionn-Eorpa Bha i eolach ann bho chian; Ma’n deach Caésar null do Bhreatuinn Bha i’n cleachdadh aig gach Triath; ’S nnair a rinn na Gaidheil gluasad Far a chuain gu tigh ’nn a Niar, Thug iad leoth’ an cànan priseil Bha mar dhileab aca riamh. Tha fir fhoghluimte ag ìnnseadh (Leinn gur firinn e ’s cha bhreug) Gu bheil storas innt’ an tasgadh Agus pailteas dheth nach trèig, Nach eil i an taing no’ n eismeil Cainnt na h-Eadailt’ no na Gréig, Cainnt na Frainge no na Gearmailt,— Tha i earbsach aisde fhein. Tha i finealta gun éislein; Tha i spéiseil, cùin, gun mheang; Miann gach rìbhinn i—’s cha’n ìoghnadh, ’Labhras siobhalta gun sgraing; Thug na giomanaich i’ roghainn, Ann a faoghaid nan damh seang; ’S nuair a dh’ éireas fearg no tuasaid, Gur h-i ’bhuannaicheas gun taing. Tha i deas gu dol a sheanachas, Modhail, earbsach anns gach cùis; Tha i bèurraidh, fallain, fuasgailt, ’Strìc’a bhuannaich i sa chùirt; Stiuradh luinge ri la stoirmeil Bha i ainmeil air bho thùs, Soilleir, làidir, deas, gum fhaillinn ’Nam bhi bàirlìnneachadh criu. ’S beag an t-ioghnadh sinn ’bhi ’n chiù oirr Gur h-i dh’ ’ionnsaich sinn na’r cloinn ’Sco nach tugadh meas ’as gràdh dhi?— Rinm ar màthair a toirt duinn; A chainnt liobharra, ghlan, uasal, Gu bheil buaidh ort agus loinn; ’S co a leigeadh tu air diochuimhn’ Ach an siochaire gum sgoinn! A chainnt ullamh, ealamh, iasgaidh, ’Nam a dh’ iarrair thu gu feum: A chainnt iomraiteach gun mhòrchuis, Mhillis, òranaich, ghlan, reidh; A chainnt fhuranach gun fhaillinn, Thug mi gràdh dhut agus spéis; Gum a fada beo ’s gach tir thu, Agus mìlltean ort an deigh! AN CAMUS, Sept. 20, 1894. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 105] [Vol. 3. No. 14. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, OCTOBER 6, 1894. No. 14. A Amhuinn Dhennis. Tha àm nan eisirean air tighinn, agus tha moran a’ stri ri’n iasgach. Tha lagh ùr ann am bliadhna. Feumaidh gach iasgair bàta air a h-ainmeachadh a bhi aige, agus cead laghail airson an togail. Cha ’n eil e ceadaichte an iasgach ma ’s éirich a’ ghrian, no an deigh dhi dhol fodha, agus ma thachras aon orra a bhios na’s lugha na tri òirlich air fad, feumaidh iad an cur air ais d’ an loch. Tha Domhnull Mac Fàidein agus Fearchar Mathanach air an òrduchadh air son cead laghail (license) a reic agus sealltuinn thairis air na h-iasgairean. Bha an t-Sàcramaid air a frithealadh aig an Amhuinn, air an t-Sábaid sa chaidh leis an Urr. Iain Calder, as a Bhai-’n-Iar, a bha toirt seirbheis dhuinn o mheadhon Iulaidh, agus an t-Urr. M. A. Mac Coinnich á Grand River. Bha an t-Urr. A. Mac Illemhaoil as a Bhai-’n-Iar ri cuideachadh feadh na seachdain. Tha an òigridh gach seachdain ’g ar fàgail. Tha àireamh de na gillean dol a thaighean-foghluim agus moran de na h-igheanan ’dol do na Stàitean Dh’ fhaoighnich mi de dhaoin’ òga bha còmhlath an la roimhe, car son a bha iad a leigeil nan nigheanan air falbh, agus ’s e thuirt fear dhiubh rium, “’N uair bhios sinne ’g an iarraidh bheir tri sentichean (litir) dhachaidh iad;” ma tha so fior tha dòchas agam gu’n gabh na bachelors misneachd agus gu’n toir iad cuid diubh air ais m’ an tig am fuachd, neo, mar thuirt am bàrd mu bhachelor roimhe, “Tha mi ’smaointinn ma bhios tu ’d aonar an àm an fhaoilich gu’n bi thu reòta.” Chuir mi dollar ugaibh Di-màirt, agus a dha gu leth air an t-seachdain roimhe so. Tha dochas agam gu ’n d’ rainig. iad sabhailt. X. Y. Z. Sept. 27, ’94. A’ Chuag. Tha a’ chuag air aon do na h-eunlaith sin a théid air imrich o aon dùthaich gu dùthaich eile. Thig i do’n earrann so do ’n t-saoghal san earrach, agus falbhaidh i gu deas mu’n tig fuachd a’ gheamhraidh. Fhad ’sa dh’ fhanas i an so, chi sinn i a’ leum a chraoibh gu craoibh: agus gach maduinn chéitean cluinnidh sinn i a’ seinn a ceileir sunndach air bhàrr nan geug. Cha ’n ’eil a’chuag a’dragh ri nead a sholas di féin; cha mhó a bheir i mach à h-àl, agus cha’n àraich i iad ’nuair a bheirear mach iad le eoin eile. An toiseach an t-smhraidh seallaidh i mu ’n cuairt di air son nid a’ ghealbhoin, no an uiseig agus an uair a gheibh i an nead falamh, beiridh i ubh innte, agus fàgaihh i an sin e gun tuille cùran a ghabhail deth. Tha an t-eun do ’m buin an nead a’gur air; agus ’nuair thig an t-àl a mach, tha a’ chuag òg a’ fàs suas, agus a’ cur as do na h-eoin bhig eile, agus air an dòigh sin a’ faotainn na nid, agus cùràim nam pàranta di féin gu h-iomlan. Le lagh nan Indhach bha a’ chuag air a meas neo-ghlan, agus air an aobhar sin bha e neo-laghail dhoibh a h-itheadh. AN DRONN.—Bha e ’na chleachdadh aig na seann daoine ’n uair a mharbhadh iad mart no caora “an dronn,” no sgriob-an-droma, a chur air leth mar chuid a bhàird. Tha e air aithris air do neach éigin mart a mharbhadh, gu ’n d’ thainig triùir bhàrd g’a thagairt, agus bha e duilich do’n duine deanamh a mach co dha a bhuineadh an dronn agus ’s ’i ’n dòigh a ghabh e gu breith a thoirt ’s a chùis, dh’ iarr e orra le chéile ranna dheanamh agus gu ’n deanadh esan a mach an sin co dha a bhuineadh an dronn. Bitheadh a bheachd fhéin aig a h-uile neach a réir na leanas co bu chòir fhaighin; ach tha e air aithris gu h-e am fear mu dheireadh a bhuannaich. 1 O’n chuir i cos air an fheur, ’S a chriomadh i bàrr an fheòir; Tha sgriob na druinne air mo bheul, Eadar fhuil ’s chnàimh ’s fheòil, 2 ’S math mo chòir air an dronn, ’S olc mo chòir air a’ chall, ’S toigh leam aiteal a’ chùil duinn, ’S e rium ’na dhitheannan saill. 3 Mo chridhe air chrith thu na druinn, ’S e rium ’n a dhitheannan saill, Dh fhàg mi ’m bùrn air ghoil; ’S e chuid ’s fheàrr a letheal leinn. Sgeul mu Ghreusaiche. Mu thoiseach na naodhamh linn deug, bha duine ’fuireach faisg air a Bhail-Ur (Cornwall) ann an Canada Uachdrach do nach faca ’m freasdal iomchuidh companach a thoirt. Bha e ’na ghreusaiche, agus bha e ’comhnuidh leis fhéin ann an tigh a chuir e suas air pios fearainn a thog e. ’N uair bhiodh e glè thrang aig ’obair b’ àbhaist da bhi bruich buntata ’s uidhean anns a ghriosaich air clach-an-teinntein. Bha pailteas griosaich an còmhnuidh anns an t-simileir a bha cha mhor a lionadh ceann an taighe. ’An cul an t-simileir bhiodh sgonn mor de mhaide ris an cante maide-cuil, agus ri aghaidh an sguinn sin bhiodh an teine air a chumail ’na chraosatch dheirg fad an latha. Aon latha smaoinich Domhnull agus Callum, dithis de nàbuidhean a ghreusaiche, gu ’n rachadh iad air chéilidh air, agus fhuair iad e gu trang a greusachd. Air clach-an-teinntein chunnaic iad tòir griosaich annsan robh buntàta na dinnearach air an tiodhlacadh agus a’ bruich air an socar. ’N uair bha iad beul ri bhi bruich, rinneadh áite anns an tòrr cheudna dha na h-uidhean. Bha ’ghriosach tuilleadh us teth air son nan uidhean, agus cha robh iad fad ann ’nuair a thionndaidh an t-uisge, ’tha gu nàdarrach annta, gu bhi na smùid (steam,) agus spraidh iad le fuaim mgran na bu mhodha na dheanadh urchuir musgaid, agus sgapadh, an tòrr griosaich ’s an buntata air feadh an thighe. Bha ’n greusaiche ’s a luchd-céilidh air an cuartachadh le neul de luathainn, agus bha iad aig an àm cheudna air am bualadh le frasan de ghriosaich ’s de bhnutàta teth. ’N uair fhuair an greusaiche anail a tharruinn ’sa shùilean a shuathadh, ’s e thuirt e, ’s coltas cho taingeil air, “Bless me! nach math dhòmhsa nach do dh’ ith mi na h-uidhean ud!” D. B. [TD 106] [Vol. 3. No. 14. p. 2] DONNCHA CAIMBEUL. BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK. VI. Air do Dhonncha a bhi ’dluthachadh ri srath a dhuthchais choinnich e ri ’athair a’ gabhail a shraid-fheasgair, le ’cheann crom agus le ceum athaiseach. Cha d’ thug e an aire do Dhonncha ’s an dol seachad. “Feasgar maith dhuibh,” ars’ esan; chlisg ’athair, agus sheall e ’n a aodann le suil luainich, neo-umhailich. “Feasgar maith, feasgar maith,” ars’ esan, agus e a’ suathadh a bhathais le ’laimh, agus a’ gabhail air adhart. Runaich Donncha nach deanadh se e fein aithnichte gus am faiceadh e cionnus a bha cuisean a’ seasamh timchioll an tighe. Bhuail e gu diblidh aig an dorus-chuil airson cairtealan oidhche, ni a fhuair e gun sòradh. Ri h-uine, thoisich e air saor-chonaltradh ris na seirbhisich. Cha b’ fhada gus an d’ thainig a mhuime agus a phiuthar a stigh ’n am measg. Thug e fainear gu ’n robh a mhuime lan de ’n straic, agus de ’n uabhar aineolach sin a chithear gu tric anns a’ phrabar a gheibh togail suas gu inbhe nach ’eil dligheach dhoibh. Bh’ ar leis, gn’n robh rud-eigin taitneach ann an giulan a pheathar, ged bha i, ’reir coltais, air a riaghladh gu buileach le ’mathair, a’ teagasg dhi bhi di-measach air a h-athair, air a chairdean, agus air gach neach ’bu toigh leis. Air dhi a bhi a’ frith-chomhradh ri Donncha, oir thalaidh i ris o ’n cheud sealladh a fhuair i dheth, thainig a h-athair a stigh do ’n Chitsinn. “A Lexy, ghaoil,” ars’ esan, “am faca tu mo speuclair?” “Chunnaic,” ars’ ise; “Bha e air do shron aig àm-braiceis. “Dh’ fhoodainn,” ars’ esan, “a bhi cinnteach ciod a’ ghne fhreagraidh a gheibhinn uaitse.” “Cia mar is urrainn dhuit labhairt ri d’ athair air a leithid sin de dhoigh,” arsa Donncha; “na’m bithinnse ’n a aite, chuirinn thu far an ionnsaicheadh tu barrachd modha. Cha mhaith a thig e do mhnaoi-uasail oig, eireachdail, a h-athair aosda a fhreagairt mar sin.” “An e esan,” ars’ ise,” co nach ’eil coma air a shon? seann slaodaire gun fheumm breisleachail, gearanach neo-thoilchte, ni’s miosa na leanabh beag.” “Ach smuaintich air ’aois,” arsa Donncha; “is docha gu’n d’ thainig ioma crois a’s call ’n a charmr, a ghoirticheadh nadur duine a b’oige na e. Bu choir dhuitse, air gach achd, a bhi caomhail, urramach agus speiseil mu d’ athair,” Bha a’ bhaintighearna a’ farcluais orra, agus thill i’ stigh far an robh iad. “Oganaich mhaith, is beag na chuala tu dheth,” ars’ an seann duine, “O, na’m b’fhios dhuit mar tha mo chridhe ’g a fhàsgadh air uairibh‘ is ioma call a thainig ormsa, da-rireadh.” “O, do challdachsa,” arsa ’bhean; “cha d’ thainig call riamh ort nach robh chum do bhuannachd aig a’ cheann mu dheireadh.” “An bheil thu ’meas mar neoni,” ars’ esan, call mo mhnatha agus mo mhic ionmhuinn?” “Ach nach d’ fhuair thu bean agus nighean ghradhach n’ an aite?” ars’ ise,–“nighean nach mill do chuid mar dheanadh mac strodhail, agus bean a ghabhas curan dhiot, ’n uair nach urrainn dhuit fein sin a dheanamh; call do mhic, gu dearbh! B’e sin am beannachd is mo de na thainig riamh ort.” “A bhean chruaidh-chridheach!” ars’ esan, “co aig am bheil fios nach aisigear fhathasd air ais am mac sin a dhion ceann liath ’athar, agus gu a leagail le onoir fo’n uir.” Shil a dheoir, agus ghuil e mar leanabh. Thoisich a bhean ri fochaid air, agus a nighean’s na seirbhisich, ri gaireachdaich. “A bheistean gun mhodh’s gun iochd!” arsa Donncha, agus e aig eirigh ’n a sheasamh, ’s ’g am putadh a thaobh; “an dana leibh a bhi mar so ri fanoid air faireachduinnean seann duine, eadhoin ged nach b’ e ur tighearna agus ar maighistir a bhiodh ann? ach thugaibh an aire! ma tha aon ’n ur measg aig am bheil a chridhe a leithid de thàmailt a thoirt dha an deigh so, ròstaidh mi air an tein e.” Dhluthaich an seann duine ris, agus sheall e gu muladach ’n a aodann. “A bhaigeir bheadaidh ladarna?” arsa ’bhain tighearna, “am bheil fios agad co ri ’m bheil thu a’ labhairt?” Thionndaidh i ris na seirbhisich, agus dh’ orduich i a’ bhiast a chur a mach as an tigh agus gach cu a bha ’s an tigh-chon a stuigeadh ann. “Air d’ athais, air d’ athais, mo dheagh bhean-uasal,” arsa Donncha, “thoir an aire nach ann a thionndaidheas mise thu fein a mach as an thig so.” “Mo chreach, mo chreach! oganaich chaoimh,” ars’ an seann duine “is beag tha dh’ fhios agad ciod a tha thu ’deanamh; as uchd trocair, bi samhach; tha thu ’togail dioghaltais agus aimhleis dhuit fein agus dhomhsa.” “Na biodh eagal oirbh dheth sin,” arsa Donncha; “dionaidh mise sibh air chosd mo bheatha.” “Am faod mi ’fheoraich,” ars’ an seann duine “co thu, no ciod is ainn dhuit?” “Is sibhse ’dh’ fhaodas,” arsa Donncha, “cha ’n ’eil e beo ’g am bheil a’ choir cheudna ni sam bith fheoraich dhiomsa ’s a th’ agaibhse: is mise Donncha Caimbeul, ur mac fein!” M-m-m-mo mhac fein!” ars’ an seann duine, agus le clisgeadh buaireasach thuit e ann am paiseanadh air suidheachan a bh’ air a chul-thaobh. Ghlac Donncha e ’n a ghairdeinibh; thainig e thuige gun dail, agus dh’ iarr e air Donncha a chos dheas a rusgadh, air an robh da bhall-dorain fo ’n ghluin; agus air dha sin a dheanamh, phog ’athair e, leag e a cheann air ’uchd, agus ghuil e le aoibhneàs “O Dhe Neimh!” ars’ esan, “is fada o’n a dh’ fhoghluim mi ’bhi taingeil airson gach trocair, ach a nis tha mi taingeil da-rireadh, oir fhuaradh leam mo mhac, m’ aon mhac ionmhuinn.” Sheall a’ bhalntighearna agus na seirbhisich an aondannaibh a cheile, gun smid as an cinn; ach chaidh Lexy air baindidh le gairdeachas gu ’n d’ fhuaradh a h-aon bhrathair—cho taitneach ’n a ghne ’s ’n a ghiulan. Anns a’ cheud dol a mach, bha ’mathair air bhoile le feirg agus le duil-bristeadh; ach air dhi deagh fhios a bhi aice nach robh foidhpe ach a bhi an eisemeil Donnchai, nochd i dha gach caoimhneas agus urram a bu dligheach dha. Fhuair e gun dail gach ni fo ’mharasglachadh fein, agus fhuair e mach, a bharr air an oighreachd a bhi saor o fhiachan, gu ’n robh suim mhor airgid aig ’athair a mach air riadh, fo bhanntaibh cinnteach, tearuinte. Aig an am ud ’s an robh gach fardoch a’s bothan air oighreacld Ghlinn-eilich, lan gairdeachais agus fleadhachais, bha trioblnidean agus mi-fhortain a’ tuiteam, muin air mhuin, air teaghlach m’ atharsa. A bharr air caochladh fhreasdalan mishealbhach a thainig ’n a charamh, thainig e a dh-son bheum gu dorus na baigeireachd le ’dhol an urras airson caraid mealltaich, ann an suim nach robh ri’ chul d’ an t-saoghal na dhioladh i. B’ eiginn gach ni a bha ’n a sheilbh a toirt suas fo cheannas luchd-lagha. Chaidh sinne uile gu ’r dichioll a-ehdanamh na cuid a b’ fhearr de ’n t [TD 107] [Vol. 3. No. 14. p. 3] suidheachadh anns an deach’ ar tilgeadh ach threig a mhisneach ’s a thabhachd m’athair, ach beag gu buileach. Thug Mairi barrachd oirnn’ uile, le a gniomhachas dealasach ann am marasglachadh gnothuichean an fhearainn agus eadhoin le a comhairlean crionnta geurchuiseach mu nithibh eile. Bu tric a smuaintich mi mu ’n am ud, gu ’m b’ ulaidh luachmhor a leithid de mhnaoi, do chompanach adhartach d’ am biodh fior ghradh aice. A dh’ aindeoin air ’n uile oidhirpean, cha d’ fhada gus an d’ thainig ar teanntachd gu aon-cheann; fhuair m’ athair litir agartais airson suim nach bu chomasach dha a dhioladh; agus bha fiughair againn, latha an deigh latha, n’gu tugta uainn e, agus gu ’n cuirt’ am priosan e. Latha de na laithean, air dhuinn a bhi ’n ar suidhe ’n ar seomar beag, a’ cur ar comhairle ri’cheile ciod a dheanamaid, cha b’ urrainn sinn tighinn gu codhunadh sam bith, oir bha ar cor eu-dochasach da-rireadh. Thuit sinn ann an seorsa breislich, ach air do’n uinneig a bhi togta, chunnaic sinn sealladh a thug grad chlisgeadh dhuinn agus a lion gach cridhe le doruinn—da mharcaiche ’n an deann-ruith a’ deanamh direach air an tigh. “So na maoir a tighinn,” arsa mo mhathair, “ciod a a ni sin?” Dh’ eirich sinn uile a dh-ionnsaidh na h-uinneige; ghlaodh gach aon, “Sud am fear-lagha air thoiseach agus am maor n a dheigh.” Dh’ asluich mo mhathair air m’athair e ’dhol as an t-sealladh, agus e fein ’fholach, gus an rachadh a ’cheud stoirm seachad. “Cha’n fhag mi,” ars’ esan “larach na’m bonn; cha d’rinn mi ni sam bith de ’n bheil naire orm; seasaidh mi ri aghaidh am fhir is fearr dhiu; deanadh iad nas urrainn iad.” Mar sin, cha robh dad ’n ar comas ach suidhe mar bha sinn, a’ feitheamh ris na bha gu tighinn. Gun dail, chual sinn tartar nan each aig an doras. “A Sheumais,” arsa m’ athair, “’s e is fearr dhuit dol agus seasamh aig cinn na ’n each, o nach ’eil neach eile aig laimh a sheallas ’n an deigh.” “Ma’s e ur toil e,” arsa mise, “feithidh sinn gus am buail iad aig an dorus.” Ach air eagal gu ’n rachaidh a chobhartach as, cha do bhuail am maor aig an dorus, leum e ’stigh gun chuireadh; chaidh farum a chos air an urlar, mar shaighid theinntich troimh gach cridhe; ann am priobadh na sul bha e stigh ’n ar measg.—Co a bh’ ann, ach Donndha! ar Donncha caomh, gradhach fein. Sgread agus chlisg na boirionnach car tiota, ach dh’ eirich m’ athair gu grad ’n a chodhail. Cha bu luaithe a ghlac e lamh dheas Dhonnchai, na bha mise an chrochadh ri ’laimh chli, agus da lamh mo mhathar mu ’mhuineal. Ann an tiota sheall e mu ’n cuairt, leag e a shuil air Mairi, agus i ’n a seasamh ann an oisinn de ’n t-seomar cho glaisneulach ri corp, agus air chrith le aoibhneas agus le ioghnadh. Gun naire no athadh, ghlac agus theannaich e ri bhroilleach i phog e i, agus mu ’n robh fios aice c’ aite an robh i, bha a da ghairdein paisgte mu ’mhuineal. “O Mhairi mo ghaoil,” ars’ esan, “cha robh mo chridhe aig fois o ’n latha dh’ fhag mi thu; cha b’ urrainn mi smid de ni’ inntinn a dheanamh aithnichte dhuit mu ’n d’ fhalbh mi, gus am faicinn cionnus a bha cuisean air thoiseach orm aig a’ bhaile.” Thug e an sin dhuinn lan chnnntas air mar fhuair e gach cuis ’n uair a rainig e a dhacdhaidh, agus mar dh’ fhagei ad ’n a dheigh. Thionndadh ar dubhachas gu aoibhneas, agus ar teanntachd gu saorsa; dhi-chuimhnich sinn gun dail, gach eiginn agus buaireas leis an robh sinn air ar fiosrachadh, augs fhuaradh sinn, aon uair eile, n’ ar còisir bheag, cho chaidreach, shona ’s a shuidh riamh le ’cheile. Mu ’n do sgoaileadh anart-buird na dinnearach, rutth Mairi a mach do’n Chitsinn a dh’ atharrachadh a deise, agus a chireadh a cinn. B’ e a’ cheud ni a choinnich a suil, duin uasal og, sgiolta ’n a shuidhe aig an teiue, le coileir sgarlaid air a chota, agus bann òir mu ’aid. Cha ’n fhaca Mairi riamh roimhe, duin’-uasal cho finealta: rinn i ’beic gu lar dha, agus dh’ iarr i air a leanailt do ’n t-seaomar. ach le fiamh ghaire dh’ iar e gu ’n gabhadh i a leisgeul; gur h-e a bha annsan gille-coise Tighearna Chlinneilich. Dhi-chuimhnich sinn uile an dnine-uasal a thainig le Donncha. Chaith Donncha agus Mairi greis de ’n fheasgar a’ sraidimeachd le cheile anns a’ ghàradh. An la ’r-na mhaireach, dh’ innis e do m’ pharantan an gnothuch air an d’ thainig e. Air an ath sheachdain rinneadh Donncha agus Mairi ’n an aon, ann an daimh onorach a’ phosaidh. Mu ’n tug e air falbh i o thaobh a mathar phaigh e gu fialadh fiachan m ’athar gus an fheoirling dheireannach. Chaidh mise ’n an cuideachd do ’n Ghaidhealtachd. An uair a bha mi ’dealachadh riu gu tilleadh dhachaidh cha bu ghnothuch soirbh e; cha ’n urrainn mi idir cainnt a chur air na faireachduinnean measgaichte leis an d’ fhag mi mo mhile beannachd aig companach agus coimhleapach m’ oige, agus aig mo phiuthair chaoin-ghradhaich, Baintighearna Ghlinneilich. A’ CHRIOCH. [Bha eachdraidh Dhonnachai Chaimbeil air eadar-theangachadh o’n Bheurla le “Muileach” agus air a chlo-bhualadh anns a Ghaidheal ’sa bhliadhna 1874. Chlo-bhuail sinn i anns a phaipear so air iarrtus o aon de ’r càirdean.] Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith irt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 108] [Vol. 3. No. 14. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 6, 1894. THA Sina us Iapan ag obair air cogadh ach tha e glé dhoirbh fios ceart a bhi air ciamar tha dol dhaibh. Tha ’m blàr mor nara bha aca aig Pang Yang chionn da sheachdain a cosnadh moran bruidhne. Tha Iapan ag innse aon sgeul, agus Sina sgetl eile, agus tha e doirbh a dheanamh mach co aca ’s firinniche. A reir gach coltais, ’s ann le Iapan a chaidh an latha, ach cha d’ fhuair i as gun call dhaoine ’s shoithichean, ged nach math leatha sin aideachadh. Tha fhios aig Iapan gu bheil an cothrom aic’ air Sina a chionn gu bheil a cuid shaighdearan ionnsaichte, mar nach eil saighdearan Shina, agus tha toil aice buille-smachdachaidh a thoirt dhi fhad ’sa tha ’n cothrom sin aice. Tha Sina air an làimh eile suidhichte air Iapan a thoirt gu striochdadh mu’n stad i, ged leanadh an cogadh deich bliadhna fichead, agus cha’n eil teagamh ma chuireas i a cuid armailtean ’an deagh òrdugh nach téid aice air sin a dheanamh. Tha Breatunn, an Fhraing, Ruisia, us rioghachdan eile a’ feuchainn ri sith a dheanamh eatorra, ach cha deachaidh leotha cho fad so, oir tha iad taobh air thaobh deònach air a dhol ais adhart. Tha eagal air moran gu’n tig air rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa bhi anns an t-sabaid mu’n tig crioch oirre, ach tha sinn ’a dòchas nach bi an chùis mar sin idir. Tha na rioghachdan sin an drasda mar nach biodh toil sam bith aca bhi ’san aimhreit. Tha iad a’ gabhail na comhairle a thug Clay Sgàin, “An rud nach buin dhuit na buin dha.” Bha Fèill Halifax glé mhath ach bha moran dhe’n bharail gu fadadh i bhi gu math na b’ fhearr. Bha àireamh mhor à Ceap Breatunn ann, eadar aona cheud deug ’s tri cheud deug. Cha deachaidh ach beagan á so gu Feill an Eilein, ach na chaidh ann bha iad glé riaraichte le ’n turus. Car son nach cuireadh muinntir an eilein so fhéin an cinn cuideachd ’s nach biodh féill mhath aca ’n ath bhliadhna? Cha’n eil sinn a’ smaoineachadh gu bheil dad gus an cumail air ais ma thòisicheas iad. ’S i Beinn St. Elias a bheinn a’s àirde tha ’n ceann a tuath America. Tha i naoidh mile deug ’s coig ceud (19.500) troidh a dh’ àirde. Bha i riamh air a cùnntas a bhi ann an Alaska, a bhuineas do no Staitean, ach air do ’n chrich eadar an dùthaich sin us Canada bhi air a ruith am bliadhna, fhuaireadh a mach i gur h-ann tha i air fearam Chanada. A CHARAID:—So agad dollar air son do phaipeir gasda chur g’ am ionnsuidh bliadhn’ eile. ’S e ’n aon phaipeir a tha mi ’gabhail as am beil mi faighinn a bheag de thoileachadh, gu h-àraid ’nuair bhios m’athair ’s mo mhàthair mn’n cuairt diom ag éisdeachd. ’N uair chuir mi ’g a iarraidh an toiseach, o chionn beagan us leth-bhliadhna, cha b aithne dhomh tri facail Gàilig a leughadh ceart, ach an drasda, leughaidh mi na h-uile facal dhe’n paipeir cho math ri fear sam bith. Tha uaill mhor orm air son a MHAC TALLA mar bu chòir a bhi air na h-uile Gàidheal aig a bheil gràdh d’a chànain féin. Tha na tuathanaich ann an so a’ gearain air gainnead an uisge, ach cha b’ ioghnadh leam ged dh’ éireadh iad maduinn air choir-eigin ’s an talamh tuilleadh us bog. Bha ’m barr glé mhath an taobh so air an fhoghar so, ged tha cuid mi-thoilichte, gun ghuth ac’ air gu faodadh e bhi moran na bu mhiosa. Tha ’n rionnach beag anabarrach pailt anns na lochan aig an am so, na’s pailte na chunnaic sinn o chionn fhad iad. Cha’n eil mi cluinntinn iomradh air politics an drasda, agus tha mi cheart cho math dheth. Cha ’n abair mi ’n còrr aig an àm so, air eagal gu ’n toir mi mach tuilleadh ’sa chóir de rùm. Is mise leis gach deagh ghuidhe. MICHEIL D. CAIMBEUL. Baoghasdal. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR, Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 109] [Vol. 3. No. 14. p. 5] NAIDHEACHDAN THA maor ann an Matitoba, fear Seumas Mac Dhiarmaid, air an d’ thàinig dìleab is fhiach ceud mile dollar, THA coithional Malagawatch a’ cur mu dheibhinn gairm a thoirt do’n Urr. M. A. Mac Coinnich, ministeir Ghrand River. THA Seanadh na h-Eaglais chleireachail cruinn ann an New Glasgow air an t-seachdain so. Tha chuid a’s mo de mhinisteirean an eilein so ann, agus àireamh mhath de na h-eildearan. BHA teine mor ann an Nanaimo, B. C., Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh agus bha dithis dhaoine air an losgadh gu bàs, agus fiach muillein dollar de thaighean air an cur ’nan luathainn; AN latha roìmh bha fear Tomas Carr, ann an Yarmòuth a’cur bharailtean air carbad agus air dha bhi ’g obair bhrist e cùisle, agus an taobh a stìgh de dheich mionaidean thraigh e gu bàs. Bha e ochd bliadhna deug air fhichead a dh’ aois, agus dh’fhàg e bean us sianar chloinne. CHAOCHAIL duin’ òg a mhuinntir Plaster Mines d’am b’ ainn Callum Mac Cuidhein, anns an ospidal ’an Boston air an 19mh. latha de September. Bha e tinn o chioinn dha no tri bhliadhnaichean leis a chaitheamh. Bha e ’na dhuin òg cliùiteach air an robh deagh mheas aig na h-uile. Thugadh a chrop dhachaidh agus bha e air adhlacadh ann an cladh Baigh Bhaddeck. Bha e seachd bliadhna fichead us ceithir mìosan a dh’ aois. IADSAN a théid do’n stòr aig D. J. Domhnullach, chi iad bocsa beag anns a bheil ri fhaicinn bonn òir is fhiach fichead dollar. An deigh na bliadhn’ ùire’ am fear no ’n té aig am bi an iuchair a dh’ fhosglas am bocsa, gheibh e no i am bonn òir a nasgaidh. Ma tha thu air son iuchair fhaotainn, ceannaich fiach dollar no còrr anns an stor. Tha ’m bathar cho math ’s na prìsean cho oisal ’sa gheibhear anns a bhaile. THA dùthaich bheag anns na h-Innsean an Iar d’ an ainm Haiti a tha air a riaghladh gu h-iomlan le daoine dubha. Is duine dubh a tha na riaghladair oirre, duine d’an ainm Hippolyte. An la romhe thugadh ionnsuidh air nighean do Hippolyte a mharbhadh. Cha’n eil fhios ceart fhathast ciod a b’ aobhar do’n ionnsuidh a thughadh oirre, ach bha ceathrar no còignear de dhaoine bh’ anns a ghuim air am feuchainn air a shon, agus aìr an cur gu bàs. CHAOCHAIL duin ann an Chicago o chionn ghoirid d’ an b’ ainm Padruig O’ Leary. A reir coltais, cha chluinnte guth mu bhàs an duine so air feadh an t-saoghail mur biodh gu’m b’ ann leis a bha bhò a bu choireach ri Chicago a chur ’na theine am foghar na bliadhna 1871. Bhreab i lampa, agus chuir sìn teine ris an t-sabhal anns an rohh i, chuir an sabhal taighean us saibhlean eile ’nam teine agus mu’n d’fhuaireadh a chasg, bha chuid a b’ fhearr dhe’n bhail air a losgadh gu làr. THA na tuathanaich ag obair air buain a bhuntàta. Tha cuid dhiubh a ach tha cuid eile smaoineachadh gu bheil e pailt tràth air son a bhuain fhathast. THEICH dithìs phriosanach as an tigh-oibreach ann an Dorchester o cionn, ach rugadh orra rithìs cha d’ rinn iad bucnnachd sam bith air teicheadh; ’s aun a chuireadh bliadhna no dha eile ri ’n ùine. PHAIGH Sir Domhnull A. Smith coig mile deug ’s naoidh ceud punnd (£15,900) air oighreachd Ghlinn-comhain a cheannaich e o chionn ghoirid, Bha ’n oighreachd aig na Domhnullaich o chionn cheudna bliadhna. Tha sia mile ’s tri cheud acaire fearainn ann. THAINIG an soitheach smùid Lucania thairis air a chuan Atlantach eadar Liverpool us New York air an t-seachdain s’a chaidh ri coig latha, seachd uairean, ’s do fhichead mionaid ’sa h-ochd. Tha’n ùine sin leth-cheud mionaid na’s lugha na thug soitheach riamh roimhe air an astar cheudna, CHA’N eil rionnag ’san athar a’s bòidhche tha sealltuinn ’san àm so dhe’n bhiadhna na Mars. ’Si ’n aon a’s fhaisge oirnn dhe na planaidean uile, agus tha i mu ’n aon mheudachd ris an talamh. Tha na speuradairean a deanamh nach eil daoine no crenrairean béotha sam bith a chomhnuidh air Mars fhathast. CHAIDH soitheach à St. Piorre, am Pink Quick, ghlacadh le luchd na cuspuinn faisg air Souris, E. P, I, air son a bhi toirt stuth làidir us tombaca do’n dùthaich gun cìs a phàigheadh orra. Bha mu fhiach mile dollar aic’ aia bòrd aig an àm, ’Se so an darna h-uair dhi bhi air a glacadh. Thaghail i uair us uair ann an Ceap Breatunn. “CHA dean an t-òl ach am fear a dh’ fhaodas;” ach ’s tric leis an fhear a dh’ fhaodas tuilleadh ’sa choir dheth a dheanamh, Fhuair ferr-oibreach ann a Winnipeg dain b’ ainn Joseph Hartley dileab a b’ fhiach leth-cheud mile dollar, o chionn ghoirid, agus an la roimhe bhàsaich e anns an ospidal. Chuir e a da féin leis an ol. THA duine mhuinntìr na h-Aimhne Meadhonaich ag ràdh gu’n deanadh e tuarasdal math latha air togail òir as a ghainnmhich air bruaichean na h-aimhne aig iochdar a chuid fearann fhéin. Ma tha so ceart, cha ’n fhada gus am bi ’n Amhuinn Mheadhonach cho ainmeil ri California ’s Australia aìr on òir. THA iadsan a bh’ air an Fhéill ann a Halifax ag ràdh gu’m b’e ni a b’ fhearr a chord riutha fhad ’sa bha iad ann, cath a bh’air a chur eadar saighdearan-mara bhar na “Blake” agus na saighdearan-tire. Dh’ fheuch na màraichean ris a ghearastan a thoirt a mach ach an deigh blàr cruaidh a chur, b’ fheudar dhaibh an ratreud a ghaibhail. Minards Liniment air son Loine. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleadh a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 110] [Vol. 3. No. 14. p. 6] Oichair Dubh Bhaile-Chrodhain Rugadh Caiptin Iain Mac-a-Phearsain an Gleanntruim am Baideanach sa bhliadhna 1724. Bu mhac e do dh-Alasdir Mac-a-Phearsain. ’Se nighean do dh-Fhear Abarardair a bu mhathair dha. Bha e de ’n mheur de Chloinn-a-Phearsain ris an abrar Sliochd-Ghilliosa. A reir an iomraidh a tha againn air bu duine e anns nach moran iochd. Ghlacadh e aon mhac banntraich cho luath ri fear eile is chuireadh e san arm e. Phos e sa bhliadhna 1777. Bha mac agus da nighinn aige. Chailleadh e ann an stoirm uamhasich an Gadhaig air an oidhche mu dheireadh de ’n bhliadhna 1899. Theirear oidhche an oichair Dhuibh ris an oidhche sin fhathasd. Bha moran dhe ’n bheachd gur h-e namhid Iob a b’ fhear-aobhir do’n stoirm. Rugadh Calum Dubh Mac-an-t-Saoir san Dallanich an Gleann-Truim mu ’n bhliadhna 1755. Theriteadh Calum Dubh nam Protaigean ris am bitheantas. Bha e greis ann am feachd-duthcha Dhiuc Gordan. An deidh dha an t-arm fhagail bhiodh e a dol mu ’n cuairt bho aite gu aite na chleasiche ’s na fhear-nochdaidh iongantasan do shluágh. Bha ceann math is teanga mhath aige. Chaochail e mu ’m bhliadhna 1830. Co dhiu is e duine math no dona a bha san Oichair Dhubh tha ’n t-oran a rinn Calum dha a nochdadh ard chomasan bardachd. Tha e air a radh gun do rinn Calum iomad oran. Ma rinn is e ’s docha nach gabh iad faighinn. Bha bean is teaghlach aige. ’Se Sine Nic-an-t-Saoir a b’ ainm do ’n mhnaoi aige. Call Ghadhaig. LE CALUM DUBH MAC-AN-T-SAOIR. FONN.—Alasdair, a laoigh mo cheille. ’S beag an t-ionghnadh mi ’bhi dubhach ’San fheasgar, ’s a ghrian le bruthach; Dh’ fhag mulad ar suilean sruthach, ’S i ’n nolluig so ’thionndaidh ’chairt-dubh orm; Cha b’ eiric an ait an udhir, Ged bhidhinn gu brath ri cumha, ’S nach dig thu ’chaoidh slan le d’ bhuidhinn ’Dh’ imich do Ghadhaig nan aighean. Nan digeadh iad slan, an Caiptin, ’M Brathach ’s Iain Og Mac-a-Phearsain, An Granndach ’s Mac-Farlain sgairtail, Ged nach digeadh na feidh ghlasa, ’S ged a bhiodh na miool-choin tachdte Bhiodh eibhneas ’s gach gnuis a lasadh. ’S e ’n t-Aog a bha guineach, ascaoin! ’S truagh nach robh e ’m priosan glaiste. Nam bu mhise maor a phriosain, Cha n-fhaginn a chiont’ gun innse; Mo chomhdach air paipairean sgriobhte Air bialaobh luchd-breith’ is binne. ’S cinnteach gun rachadh a dhiteadh, Gun cuirt’ e gu grad as an righachd, An ceangal air slabhruidhean iaruinn, ’S a chumail annt’ leth-chiad bliadhna. Ge boidheach gach rionnag a chi mi Tha ’n saoghal ’na bhriagadair inntinn. Cha n-fhaic mi thu ’siubhal frithe, Le d’ ghunna caol ’s e reidh, diaeach A bhuaileadh air ball na disne; Le d’ ghillean ’s le thaghadh mhial-chon. Tha cuaileanan gearrt’ gun chireadh On thaisgeadh thu ’n cladh ’na sgireachd. ’Nuair ’bhiodh tu ri fiadhach beinne ’S tric a bha mise ’nam ghille, Le d’ lomhinn, beagan air dheireadh, A feitheamh ri fuaim do theine. ’Nuair ’stiuireadh tu e’s an eilid Bhiodh toll air a bian le d’ pheilair.— Marbhaich’ na h-earbaig ’s a choilich, An dobhrain, na liath-chirc, ’s an t-sionnich. Cha n-fhaca mi barr aig duin’ ort A dhireadh nan carn ’s nam mullach, A mharbhadh nam fiadh ’sa mhunadh, A tharrinn nan lann ’bu ghuinich’, A bhualadh nan dorn ’sa chunnart. Deas labhirt aig mod ’s tu b’ urrinn, Dh’aindeoin bu leat buidhinn; ’S gach cuis bhiodh morchuis is urram. Rinn stoirm call am braigh’ a ghlinne, ’S bha cruinneachadh mor ’san fhireach A giulan dachidh nan gillean ’S tu fhir mhoir nach gabhadh giorrag, Marcich eich shrianich air mhire, Ceann-feadhna an am na h-iomirt, Ite chorra sgeith do chinnidh, Nach d’ rinn riamh de ’n t-saoghal cillein. Cha b’ ionghn’ thu bhi ’n tus nam fear barricht,’ ’Laoich nach biodh fada mu ’n mhalirt, ’Phaigheadh fear togail na carraid; Gur cairdeach thu ’dh-Alastir Garrach, Do Mhac-Dhughill mor a Lathurn, ’Dh-Iarl’ Anntrum ’s do Mhac-Ic-Ailain, ’Dh-oighre Dhun-tuilm nam fear fallain, Da ’m bu shuaineas leoghann ’s lamh fhala. Olc air mhath le luchd do mhi-ruin, Nam b’ aithne dhomh dheaninn t’ innse; Pearsanach do shloinneadh direach Caiptin thu air Sliochd Ghiolliosa ’Chiosinn am blar a bha ’m Piorait. ’Sa leag an trup Gallt gu h-ìseal. ’S Ban-Domhutllach ’thug glun is ciòchn dhuit. Am nach a teaghlach Iarl’ Ile. Ged a tha mi ’n drasd air m’ aineol, ’Sann a bha mi og ’nam leanabh Air duthchas t’ athar ’s do sheanar, Mu dheas air baile nan gallan, Far am biodh crodh-laoigh air ghleannibh, ’S mnathan breidgheal ’fuaghal anirt MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 111] [Vol. 3. No. 14. p. 7] Far am faighteadh fion gun cheannach ’S’ or ga dhioladh do luchd-ealidh: Nam bu daoin, a bheireadh dhinn thu, Bhiodh Cluainidh air thoiseach na strithe; Cha b’fhada ’bhiodh t’ eiric gun dioladh, Bhiodh tional air fir na tire. Le caismeachd ard sgal na pioba ’Thoirt t’ aichmheil am mach gu dileas; Mun tilleadh an cat mor ’s a tinn bhiodh Full air an lon ’s feoil ga sioladh. ’S cruaidh an sgeul a dh’ fheumar fhulang Mu ’n fhear threun bu shar ghlan buille; Leann-dubh air a chloinn a dh’ fhuirich, Tharruinn am bàs lamh o’n uilinn, ’S leag e ’m flur ’s an grainne mul lich; Dh’ fhag sud do bhraithrean gun fhuras, Mar Oisain ’bha ’ghnath ri tuireadh ’M dèidh na Feinne, dall air tulich. Oid’ agus athir an fheumich, ’Dh’ fhuasgleadh air aircich ’s air eignich! Nam b’ urrinn mi dheaninn leich dhuit, Ghleidhinn cuach-iocshlain,’ na Feinn’ dhuit ’Thug Fionn Mac-Cumhil a Eirinn; ’S thoginn a rithisd o’n eng thu, ’S bhiodh Bail’-a-Chrodhain fo eibhneas, ’S maithean agol do dheoch-reite. Gu mu slan a thig e dhachidh, Oighr’ Iain oig Mhic-a-Phearsain, An Caiptin ’tha ’n arm Chlann-Ailpainn. Ma bheir e an dualchas o ’athair, Eighear am mach air thus feachd’ e, ’S biodh muirn ann an duthich nam badan; Cinnidh fiar aig miad an dealta, ’N deidh dorcha na h-oidhch’ thig madinn. Sheid gaoth ìs sneachd as na speuran ’Chuir an taigh-claich’ as a cheile, ’S a chuir a choignear ’nan eiginn, Naidheachd a’s bronach ri h’-eisdeachd Bhur faodinn ’n ur laighe fo chreuchdibh, Gun chomas labhirt no sgeula: Ar dochas gun d’ fhuair sibh reite Air sgath na fal’ a chaidh ’cheusadh. Udhar, leon, goirteas. Ite choma sgeith, an it a’s fhearr san sgeith. Suaineas, suaicheantas. An cat, Suaicheantas Chlann-Chtain. An Caiptin tha ’n arm Chlann-Ailpain, mac an Oichair Dhuibh. ’Am blar a bha ’m Piorait. Chan fheil iomradh sam bith aginn air a bhlars o. An Aimsir. Tharruing na h-Eiphitich dealbh na h-Aimsir le tri chinn. An ceud cheann, eadhon ceann maduidh-alluidh ghionaich, le beul fosgailte, air son na h-Aimsir a chaidh seachad; do bhrìgh gu’n d’ith an Aimsir sin suas cuimhne gach ni a chaidh dheanamh fo’n ghréin agus nach toir i tuilleadh air ais na làithean agus an cothrom a mhi-ghnàthaich mac an duine. An dara ceann, eadhon ceann leòmhain air a chrùnadh, air son na h-Aimsir a ta làthair; do bhrigh gu bheil uachdaranachd aig an Aimsir sin air na h-uile ghnìomharaibh; agus gur e deadh bhuil a toirt aisde bheir buaidh do’n duine, agus a chrùnas e le h-urram agus le glòir. An treas ceann, eadhon ceann madaidh chealgaich, a’ sodal air son na h-Aimair ri teachd; do bhrigh gu bheil i a’ beathachadh cuid do dhaoinibh le dòchas mealltach,—g’an luasgadh thairis gu codal cealgach le a miodal, agus fadheoidh g’an tarruing gu bochdainn agus truaighe. Tha na samhluidhean so gu soilleir a’ ciallachadh nach tig an Aimsir a chaidh seachad tuille air a h-ais, agus nach faighear gu sìorruidh greim air a’ chothrom a chaidh aon uair a chall: nach ’eil san Aimsir ri teachd ach ni neo-chinnteach, agus nach ’eil san dòchas tha i ag altrum ach dòchas saoin agus mealltach; agus air an aobhar sin gur e dleasdanas gach neach deadh bhuil a thoirt as an Aimsir a ta làthair, agus na mionaidean tha iad a’ sealbhachadh a ghnàthachadh chum leas an anama,—do bhrigh nach ’eil còir aca air mionaid roimh no an déigh sin, agus “nach ’eil obair no innleachd eòlas no gliocas san uaigh chum am bheil iad uile triall.” Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 112] [Vol. 3. No. 14. p. 8] Aireamh Fhear Dhub A DHEAGH CHARAID;—Chedaich dhomh beagan fhacal a ràdh ri A. Mac Aoidh, á Providence mu “Aireamh Fhear Dhubhan.” Cha leig mi leas innseadh d’ur luchd-leubhaidh mar chaidh na roinn a dheanamh oir dh’ innis e fhéin dhaibh sin. So mar chuala mise iad agus ma chùnntas sibk thig an crann air an naodhamh fear Dhubhan gus nach bi aon air am fàgail ach Fionn ’s a cheithir dhaoine deug. “Ceathrar fear Fionn fialuidh air thùs Le’n còignear dhubh ’nan déigh De luchd dhearbh chogaidh Dhubhain Dithis bho mhac Chuthail o nuadh, Fear o Dhubhan dreach-ghruaidh, Triuir o Fhionn a’s deirge dreach, ’S fear o Dubhan diùramach. Cha suidh Fionn ’sa bhrùgh bhàn, Gun dithis dhubh’ air a làimh, Gun dithis Fhionn air a leis de chuideachd an righ á Alba. Dithis dhubh’ mu Dhubhan Dìll, Aon fhear Fionn ’na fochar sin; Da laochar dhubh n’ an dàil, Dithis o Fhionn ’s fear o Dhubhan.” Tha dòigh eile air an cur sios as fhasa na lies an rann so. lies na foghairean (vowels) a, e, i, o, u, àireamh mar so a 1, e 2, i 3 o 4, agus u 5, agus an rann Beurla so a’ ghabhail.—From numbers aid and art, never will fame depart. ’S i o a’ cheud fhoghair anns an fhacal from, agus ’s e a h-àireamh 4, agus cuiridh sin sios ceathrar gheala. ’S i ’nath aon u ’s an fhacal numbers, agus ’s e a h-àireamh 5, agus cuiridh sin sios coignear dhubha, agus mar sin air adhart gu’m bi na h-uile foghair anns an rann againn. ’N uair chùnntas sinn iad, thig an naodhamh air a h-uile fear dhiubh bi gu ’m bi iad as air fad. BARTIMEUS Malagawatch, Sept. 29, ’94. THA Lachuinn Wilson, Cladach a Tuath Ghabarus, a’ sgriobhadh mara leanas:— “Tha mi duilich nach d’ thug mi fios dhuibh roimhe so mu litir bheag a chuireadh g’ ur n-ionnsuidh ’sa mhios Mhàibh ’sa chaidh ag hadh gu robh tinneas gabhaltach anns an tigh agamsa. Cha robh sin ceart. Cha robh tinneas dhe’n t-seòrsa sin ’san tigh agam riamh ’s tha mi ’n dòchas nach bi. Cha n-eil fhios agam car son a chuirte leithid de naidheachd g’ ur n-ionnsuidh. B’ fhearr dhàsan a ghabh an dragh sgriobhadh fuireach aig an fhìrinn. Iadsan a Phaigh. Iain A. Mac Isaic, Sydney Mines. Cailein Caimbeul, Amhuinn Mheadh’nach. Somhairle Mac Neacail, do. Callum Mac Ille-ghuirm, Valley Mills. Niall Mac Odrum, Mineral Rock. Niall Mac Gilleain, Fourchu. Bean Neill Mhoireastain, Salem Road. Murcha Mac Gilleain, Margaree. Catriona Chaimbeul, Plaster, Tormod Domhnullach, Dutch Brook. Dùghall Mac Cuidhein, Glace Bay. Murchadh Moireastan, Sidni, (50cts.) Iain L. MacGilleain. Mineral Rock. Tormoid Mac Asguill, Framboise. Iain Moireastan, do. Micheil D Caimbeul, Baoghasdal. D. D. Mac Pharlain, B. C. Chapel. H. K. Domhnullach, Point Tupper. Paduig Cash, Irish Cove, (25cts.) Mor Nic-an Tòisich, Valley Mills. Seumas A. Gillios, South Bar (50cts.) Bean C. ’Ic-Gill-fhinnein, Melford. Iain C. Gillios. Gleann-nan-Sgiathanach. Niall Mac Gilleain, (eldear) Roseburn. Niall Mac Fhionghain, (Tailear) Hogomah. Dr. F. Mac Fhearghais, New York. A. Mac Feachtain, Calumet, Mich. Seumas Domhnullach, Boston. An t-Urr. Iain Mac Neill‘ Cowal, Ont, (50c.) Tormoid Murray, Montreal. An t-Urr. D. M. Mac Eamhuinn, Antigonish, Callum Buchanan, Braidalbainn, E. P. I. I. D. Mac Phàrlain, Knappa, Oregon. POSAIDHEAN. Aig Sidni, an 2mh. la de dh’ October, leis an Urr. Daibhhidh Hìckey, Ruairi Mac-Coinnich ri Cairistiona Nic Fhionghain. Aig Gleann-nan Sgiathananch, air an 18mh la de September leis an Urr. E. S. Bayne, Domhnull Domhuullach ri Seònaid Ghillios. Aig Strathlorne air an 18mh la de September, leis an Urr. D. Domhnullach, Ailein MacFhionghain ri Marsali Chamaran. Tha Lighichean a cleachdadh M’ds Liniment BAIS. Aig Port Morien, air an 28mh latha de September, Nìall Mac Gilleain, 60 bliadhna dh’ aois. Aig Hogamah, air an 13mh latha de September, Callmu Domhnullach, 74 bliadhna dh’ aois. Aig Amhuinn Dennis, air a 25mh latha de September Iain Mac-an-t-Saoir, 67 bliadhna dh’ aois, Aig Sidni, air an darra latha de dh’ October, le pairileis, Samuel Howard, leth-cheud bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. CHAIDH mart air an rathad iarruinn faisg air Ottawa air an t-seachdain s’a chaidh ’s chuireadh cóig carbardan fichead bhar an rathaid ’s chaidh moran dhuibh a bhristeadh. THA Dior daoin, an treas latha fichead de Nobhember air a shónruchadh leis an riaghladh gu bhi ’na Latha Taingealachd air a bhliadhna so. THA romhainn àireamh de dhuaisean a thoirt seachad mu bhliadhn’ ùir dhaibhsan a’s mo chuireas de ghabhaltaichean ùra thugainn ré nan trì miosan, October, Nobhember, us December. Bidh na duaisean sin air an ainmeachadh anns a paipeir air an ach sheachdain. ANNS an Spàinn, ’nuatr a bhios duin-uasal air son toileachadh mor a thoirt d’a chàirdean, cuiridh e ’g an iarraidh agus bi’dh sabaid-tharbh aca. Tha na sabaidean glé brùideil, ach tha iad ’nan toil-inntinn mhor do na Spàinntich. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 113] [Vol. 3. No. 15. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE OCTOBER 13, 1894. No. 15 A’ GHAELIG. Cha ’n eil ni air bith a’s còir barrachd aigheir us subhachais ’fhadadh suas ann an cridheachan Gàidhealach na ’n cánainn mhilis, bhlasda, chairdeil fein. Tha e’ taitneach agus freagarrach duinn a bhi ’gleidheadh cuimhne air seol nann àrmunn á b’ abhaist ’bhi g’ a luaidh. Thig do gach Gàidheal gaisgeil, uasal mor-mheas a bhi aige air a’ chainnt thaitneach, dheas-labhrach a laimhsich iomadh bàrd ann an caismeachd fhonnmhor eireachdail. Is lionmhor cliù ’s meas us buaidh a tha dluth-cheangailte ris a’ Ghaelig. Thruis còinneach nan laithean liatha m’a timchioll mu’n d’ eirich iomradh beag no mor air ’Beurla no Frangais. Feumaidh sinn òige ar canain chruadalach, sgairteil, iarruidh ann an og-mhaduinn an t-saoghail. Agus mur bheil è comasach dhuinn dearbhadh a thabhairt gum bheil Bard Ghlinn-urchaidh ceart agus seasmhach, an uair tha è ’g radh, “Gur i Ghaelig an labhairt phriseil churamach a’ rinn cumhnanta ri Adhamh: Gur i ’bu chainnt do Noah an am seòlaidh anns an airc; ’us gur i ’fhuair maighstireachd an uair a sgaoil na cainntean aig Tur an aimhreidh mhoir,” Co an Gall no ’n Sasunnach a’s urrainn a dhearbhadh nach ’eil beachd Dhonncha Bhain fior? Tha Ghaelig airidh air mor-mheas, oir b’ i caisimeachd chaithriseach nan triath ann an iomadh talla faoilidh agus ann an iomadh spairn fhuileachdach. Tha i gun truailleadh; gun mheasgadh, treubhach, foghainteach, reachdmhor. Cha ’n fhiach leatha cuideachadh a ghabhail bho Laduinn no bho Ghreugais. C’ arson a dh’ iarruidh i comhnadh bho chanainean a tha air freumh a ghabhail ann an tirean a bhuineadh do na Gàidheil chalma, churanta air tus. Tha luchd-labhairt na Beurla proiseil as an cainnt fein. Tha na Frangaich, ’s na h-Eadailteich eudmhor ’us ardanach, on tha ’m briathran fein co snasmhor, grinn: ach cuimhnicheadh iad uile gum bheil iomadh dath ’s an sgeadachadh riomhach a tha iad a’ caitheamh. Cha ’n ann idir le ’n solus fein a tha iad dealrach. Thionail iad an dreach ’s an sgiamh bho iomadh cainnt us cearna. Mar thubhairt neach d’ am b’ aithne beusan na Gaelig aithris, agus a buaidhean dealbhach a ghleusadh gu ceolmhor: “An seana mhathair chiatach, lan de mhile buaidh, cha ’n ’eil feum aice ’s cha mhodha dh’ iarras i iasad. Tha i fein daonnan saoibhir, maoinneach, slan. Tha’ tighean tasgaidh lan de dh’fhocail ghasda.” Co nach ’eil fiosrach air co neo-aoidheil ’s a tha Ghaelig ri focail choimheach. Tha i fein beartach neartmhor gu leòir, ’s cha thoir i fardach do chainnt nan coigreach, on tha Ghaelig co laidir fallain foghainteach, cha ’n ’eil è idir iongantach gn ’n d’ rinn na baird Ghaidhealach gniomh co treun us co euchdach leatha. Feoruichidh Sasunnaich gu tamailteach “c’ aite am bheil ur bardachd? Cha’n ’eil dain fhlathail no orain mhilis agaibh.” Cha chuala iad so riamh iomradh air an treun ghaisgeach Oisein, righ caoin nam fonn ’s nan caomh dhàn. Cha ’n eil fios aca gum b’ abhaist do bhaird na Feinne, ann an laithean nam bhiadhnachan a dh’ aom, ann an laithean nan sonn a b’ airde gniomh, a’ chlàrsach ’s a’ chruit-chuiil a ghleusadh, ’us gu ciuin farasda fial ceol eagsamhuil iarruidh air feadh torman gach teud. Cha ’n ’eil fios aca gum bheil smuaintean Oisein aillidh; gum bheil è ’seasamh leis fein am measg nam filidhean ’us nach ’eil coimeas ann do “Bhard Sheallama nam feart.” Is e bardachd Oisein a’s sine ’s a’s maisiche a tha againn. Bha ’anam a siubhail ann an ceol nan dan. Euchdan nan ard-threun agus mor-ghaisge na Feinne ann an trusgain ciar a’ chomhraig a sheinn, luadh a dheanamh air treubhantais a dhaoine fein, air an ciùinead ’s air an càirdeas ann an sith ris a’ bhochd ’us ris air lag—air an cruaidal ann an stri nan lann—b’ e so saothair Oisein. B’e miann ’us iarrtuis na Feinne an deigh dhoibh imeachd g’ an ciar-thalla fein, agus am feadh bha iad a’ sealg feidh dhoilleir nan niall, gum bitheadh an cliu ann an ceòl nan dàn, ’n a gath soluis do ’n am nach ’eil beo. Sheinn Oisein nam fonn, cha’n ann a chosnadh cliu ’s a thoirt toileachaidh do dhaoine foghluimte, ach chionn gu’n robh an ni so taitneach agus tlachdmhor do anam a’ Bhàird. Bha Oisein gaisgeil ann an smuain ’s an gniomh. Is e nàdur féin a bu charaid dileas da. Na h-aonaichean farsuing fraochach, na sruthan fuaimneach gaireach, trathan na bliadhna ’s eideadh gorm nan raon, mac nan speur le chiabhan orbhuidh a’ ruagadh air falbh dorchadais na h-oidhche, ’us an deigh dha gorm astar nan speur fhàgail, agus dol g’a leabaidh anns an iar, a’ ghealach neulach ’s na reultan boillsgeanta, cruaidh a’ spealtadh air cruaidh, gniomharan treuna na Feinne, b’ iad so uile cairdean Oisein. Cha ’n ’eil neach aig am bheil speis do fhior-bhardachd nach aidich an deigh dha smuainteachadh air linn us suidheachadh Oisein gum buin da cliu nach gann agus meas nach ’eil faoin. Tha e fior nach ’eil o cheann iomadh linn, slige no oran no clàrsach ann an Seallama, an Taura no an Tighmora. Tha e fior gum bheil iad uile ’n an tulaichean naine, ’s an clachan ’nan cluainibh fein. Tha è fior gum bheil an liath-cheann an coinneach nan sliabh, gidheadh mar a thubhairt Oisein fein, ’S iad na bàird clann an ám a chaidh sios, cluinnear an guth air ard, an uair a dh’aomas gu lar an siol; siol righrean Thighmora nan crann.” Co an Gaidheal nach gabh tlachd ann an dàin Oisein, us nach mothuich gaisge laidir a’ Bhaird anns na rannan foghainteach a sheinn e?” CONA. [TD 114] [Vol. 3. No. 15. p. 2] TURAS AN TAILLEAR MHOIR DO GHLASCHU. AIR A THOIRT A BHAN BHO BHIAL FHEIN, FACAL AIR AN FHACAL. ’S ann a thug mi sgriob do Ghlaschu ’s a Mhairt so’ chaidh a dhuine, agus mar a d’thug gnothaich ann mi, ’s cinnteach gu ’n d’ thug gnothaich as mi. Ciamar a thachair e! an e? Thachair e mar so, a dhuine, mata. Mar a ta fios agad, cha ’n eil de dh’fhearainn a Chruithear na m’ ainm no na mo sheilbh, urad ’s air an seasadh tu; agus air an aobhair sin feumaidh gach iarunn a bhi ghnath ’s an teine mas cum sinn ’n phoit a goil. ’S ged thubhairt Donncha Ban agus muinntir eile mu’n taillearachd, gur i ceaird Naduir, cha’n urrainn mise ’channtainn gu’m beil i tigh’nn ro nadurach dhomhsa. ’S ann orm a ruigeadh, mar a thubhairt Domhnull Ros caomh mun fhear eile— “’Nuair ’thainig thu ’n tu (taobh) so, Gun deanadh tu triubhsair, Na ’m faigheadh tu cludan Ri thaillearachd; ’S ’n uair bhiodh i fuaighte, Bu mhios’ i na buarach; ’S i Briogais Mhic Ruairidh A b’fharr na i.” Ach biodh sin maa thogras e, feumaidh sinn a bhi deanadh bhuairchean fhein, mar a d’ theid againn air na ’s fhearr a dheanadh; ’s mar a thubhairt Mo Sheanaidh ’n uair a thuit e fo ’n eallach chabair ’s am peathar ga ruith, “S math cobhair na ’m bioranan le chcile.” Faodaidh mis’ a channtainn nach b’fhiach mi cus ruith a dheanadh orm a dhi m’ iarunn mor ’s mo Shnathad. Mar a bha mi ’g innseadh dhut, mata, bha mi cur luideagan ri cheile do dh’ fhear an Dunain o cheann ioma bliadhna, agus ’s i ’n duais a bha mi ’faighinn uaidhe, caob fearuinn anns an curainn buntata, agus bu ghlan an duais i gun amharas. Bha fior smuid orm fhin a’ ruamhar aon fheasgar Di-Sathuirn’, buill-tharruiun mo bhriogais ceangilt’ tiomchioll mo mheadhon, mo bhriolleach ruisgt’ ri aiteal na gaoith tuath agus sruthan falluis a’ tighinn a bhad la mo leith-cheanan; bha Mor a chuair ’s a chlais dhomh agus iolach aic air senn. “Tha mo ghradh air an Taillear acuinneach,” ars ise, ’s i ’togail a ceann ’s a sealltainn orm direach eadar an da shul. “Thi ort Eachuinn ’s ars ise, “nach fhada o nach cula sibh o Dhomh’l ’ur brathair?” “Thi ort, ’s fhad” arsa mis. “Saoil sibh cuin a chluinneas sibh uaidhe? ars ise. “’Saoil sibh cuin!” ars mis. “Cha ’n eil fios nach eil e beo no marbh,” ars ise. “Cha ’n eil fhios nach eil,” arsa mis. Anns na facail, a dhuine, s’ ann a gheobhainn sgobadh creithleig ’s as a bheirinn na buinn, mar gu’m biodh duin’ air a chaothach ann, ’s Bradaidh air a shaillean. Cha do dh’ aom mi gus an laimh dheas no chli, ’s cha do sheall mi romham no as mo dheigh gus ’n do rainig mi lamraig na Culaig, ’s gus ’n do leum mi air bord soitheach na smuid ’s i direach an deigh ruighinn—thug godag a bhan do’n t-seomar mhor ’s cha do nochd mi mo chnuaic as ceann buird gus an robh sinn a mach dhe ceann Rudh’ na h-airde. Bhuail briathra mo cheile mi cho laidir, ’s gun do chuir mi romham Domh’l mo Bhrathair fhaicinn, eadar dha bhi anns a’ choluinn no as a’ choluinn, mus tilginn dhiom an lurach thruaillidh seo. Cha chuir mi dragh ort, le’ dhol a dh’iomradh air gach triohloid cuirp ’us inntinn a chaidh mi troimhe air an taisdeal ud, ach chrun cuir na mara agus bocanaich chraosach Ard-na-Murchan m’ fhein-fhiosrachadh ’s an fheoil. Chunnaic mi greann air Ceanna-Dhunnachaidh, muig air a Cheanna bheag agus car-ma-chraos-ain air an Duisg-lic, ach cha’n fhaca mi mi fhin riamh roimhe, cho fagus do dh’ uchd Abrahaim ’s a bha mi ’n uair ud air airde doimhne Ard-na-Murchan. Ach, a Bhuadhaich ort! ’S e cho dlu ’s a bha sinn air an ait’ eile, ’thog am falt air mo cheann, ’s a chuir a ghris troimh m’ fheoil. Cha robh slog anns an d’theidheadh i bhan nach robh mi ’n duil cnap a thoirt air ceann an duine shaibhir. Gu samhla ’chleachdadh, bha mi fad thri uairean a thim a banacharachd mu iomall saoghal nan sgail ’s aiteal spioradan mo shinnsearachd, cuid teth tochdaidh ’s cuid fionnar cubhraidh mire-chuartagaich mu’m aghaidh. Ach gu sgeula goirid a dheanadh fada, fhuair mi na bha lathair dhiom air fabharan, air cabhsair a Bhroomielaw alr feasgar Di-ciadain. Le tuanalaich na mara agus fuaim nan cuirn ’s nan carbadan, ’s gach gleadhraich mhi-nadarrach eile bha truailleadh mo chlaisdeachd, cha robh mi car tamull gle chinnteach an ann ’s a choluinn no ’s an spiorad a bha mi. Thug mi oidhearp air a dhol a sheanachas ri iomadh dhe na bha ruith seachad orm, ach cha leigeadh a h-aon dhiubh orra gum faiceadh e mi. ’S iad tuathanaich a Bhroomielaw sluagh a’s mi-oileanach a chunnaic mise ribmh, a dhuine. Mu dheireadh chunnaic mi, ’spaidsearachd, sios agus suas air a chabhsair, duine mor colgail, ann an deise chaol liomhaidh ghorm, le butanan buidhe, plocan buntata slaoda ri chrios, agus colast de sheana phoit-ghuirmein air a cheann an aite bonaid. Shaoil mi’n toiseach gu’m b’e Alasdair Ban a Loch-chrocaich a bh’ ann, a chionn gu ’m b’ abhaisd dha ’bhi ’dol do Ghlaschu a cheannach guirmein; ach an sin chuimhnich mi gun deach Alasdair ionraic aiseag do dh’ Innis-nam-flath o cheann iomadh bliadhna, agus nach b’ urrain e bhi an Glaschu aig an am so, gu h-araidh anns a choluinn, mar a bha ’n duine so gun teagamh. ’S ann a dh theidheadh agam air gairm air. “Halo ’dhuine!” arsa mis’. “Holo thu fein a dhuine! ars esan.” “Am fac’ thu Domh’l mo bhrathair?” arsa mis’—“Co?” ars esan. “Domh’l mo bhrathair!” arsa mis’. “Domh’l do bhrathair!” ars esan. “Sin fein!” arsa mis’. “Ciod e fios dhomhsa co e Dhomh’l do bhrathair s’?” ars esan. “Gu’n cobhair e thu ’dhuine! nach aithnicheadh tu anam duine?” ars mis. “Dh’ aithnichinn cuid de choluinnean dhaoine, ach cha’n urrainn mi cus a chantuinn mu’n anamaibh,” arsa fear na poite guirmein. “Ciod bu choltas do Dhomh’l do bhrathair?” ars esan. “Coltas duine!” arsa nis. “Cait am b’ eil e ’tamh” ars esan. “Ann an Glaschu!” arsa mis’. “Ciod an t-ait’ ann an Glaschu?” ars esan. “’S tu fein a tha tamh ’s a bhaile ’s aig ’m bu choir fios a bhi!” arsa mise. “Tha ’m baile farsuinn—bu choir dhut ainm na sraid’ agus aireamh an taigh ’s am beil Domh’l do bhrathair a’ fuireach a bhi agad mu’n do dh’ fhag thu ’m baile, ma bha thu ’n duil fhaighinn ann an Glaschu,” arsa Poit ghuirmein. “Am beil thu ’faicinn dadeiginn gorm na mo shuil? Cha ’n ail taigh eadar am ‘Putaig ’us Loch-Aills’ air nach eirmisinns’ air gle bheag seolaidh, agus dh’ aithnichinn a chuid mhor dhe ’n luchd aitich a thuilleadh air a sin, ’s ge mor bhur bosd as a pholl-chuairtein aingidheachd so, le ’r turan suitheach ’s bhur cabhlach ghrod, cha shealladh e ’s an uidh’ ud a dhuine, cus ni ’s fhearr na phoit leobach sin a a th’air do cheann,” arsa mise. “Tha uidhe ’n sin cheana, [TD 115] [Vol. 3. No. 15. p. 3] ach am beil a mhor roinn dhe ’n t-sluagh na’n leith-chiall aich?” ars esan. “Ciod a tha thu ciallachadh leis a sin?” arsa mis. “Cha ’n eil, ach gu ’n aithnich an seors’ ud a cheile,” arsa Poit ghuirmein. “Tha ni creidsinn gur ann leis an eolas nadurrach sin chuir mis’ aithn’ ortsa!” arsa mi fhin. “Tha thu incapable! arsa esan.” “Tha!” arsa mis. “Agus bu chiataiche dhuits ceap a bhi ort cuideachd, na ’bhi falbh le seana phoit ghuirmein air do cheann. Amhlair a tha thu ann, ’s ann a tha thu coltach ri balagan buachair laomaidh!” “Thig comhla riumsa,” ars esan. “Cait?” arsa mis’. “Do ’n Ophis,” ars esan. “Am beil thu faicinn dad-eiginn gorm na mo shuil?” arsa mise, ’s mi’ toirt glum air mas na poit le mo bhata. Thug e sgalch a feadan buidhe bha ’na dhorn, a dhuine, ’s ann am priobadh na suil ’s ann a bha mi air mo chuartachadh le neul de phoitean guirmein, ’s an aon iallt na ’m bial—“Oibearahend ta maidman,” ’S iad bu choltaich a chunnaic thu riamh ri sgaoth ghiomaich òga ’spogaireachd ann an lod, ’s na h-uile h-aon dhiu ’giulan faochag mhor dhubh. Arsa mi fhin, ’s mi ’sealltiunn geal mo shuilean dhoibh—“Riabhach orlach a gheibh sibh dhe mo mhaide-sa, ’shiol na ’n ceanna-phocanan, ’s a chlann nam portanan tuaighealt!” Ach bha na beisdean ro lionmhor air mo shon; ’s cha robh poit a chuirinn a bhan nach eireadh tri eile ’n a h-aite. Bha mi ’timeachadh na ’m buillean leis a chronan so—“Iomair—Eachuinn,—Fodha—’Ruairidh,—’S cas na—poite, Tigh’nn an—uachdar.” Ach mu dheireadh ’s ann a chaidh Eachunn fhein foda ’s thainig na poitean uile ’n uachdair. Shlaod iad eadar dha-lionn mi, dhuine, do’n Ophis. Air dhaibh m’ fhaighinn an sin, dh’ fheoraich coslas de chlobha-tomhais de dh’ fhear a bha sgriobhadh ann an leabhair a bha chearta cho mor ’s cho leathunn ri do leabhair sgrobaireachd fhein. What’s the charge? Breach of the peace and assulting the police! deir na poitean. “Co ’chuala riamh a leithid?” arsa mis’. Briseadh piosaich ’s a saltradh polis. Hold your jaw! arsa clobha-tomhais. Hold your jaw! us’ a ghlarlaich! arsa mis’, ’s mi toirt coilleag air anns a bhrusg, a chuir na luban air feadh an urlar e. Ach leum luchd na ’m poitean orm a rithis, ’s cha mhor nach d’ thug na madaidh gach iall as a cheile dhiom. ’N uair a thainig mi thugam fhin, s ann a bha mi glaist’ ann an toll dubh udlaidhe, maille ri ainmhidh de fhear droch-bheirt, agus mo dha bhot ur air a dha spog thuaithealt. “Cuir dhiot mo dha bhot ur gu h-aithghearr a dhearg-mheirlich!” arsa mis’. “Do dha bhot ur-sa?” ars’ esan. “Mo dha bhot ur-sa!” arsa mis. “Sin agad da bhot ur dhuit!” ars’ esan, ’s e toirt breab dhomh a chuir na mo chuibhl air cul being mi. “Cia mar a tha sin a taitinn riut?” ars esan. “Direach mar a thaitneas so riuitsa? arsa nise ’s mi toirt gleadhar air eadar an da shuil a chuir car a bhodaich dheth, ’s e glaothaich—Fire! fire! (Shaoil leis a dhuine, gu’n robh an taigh ’n a theine, leis na lasraichean a chuir mi as na suilean aige.) Cha robh mi ann, an uair a thainig eas uisg’ a bhan a mullach an taigh oirnn, a chur a dh’aithneagraich ’s a bhocadaich air feadh na saobhaidh sinn. Cha robh fios, co a b’ airde ’bha ’g eigheach—esan, Fire! fire! Foit! foit! Foiteagaidh! foit! ! na mise Tit! tit! titeagaidh! tit! ’N uair chaisgeadh an t-uisge ’s a thair sinn fo ’r ’n anail—sas ann a cheile ’bha na seoid— Lamh an iochdair, lamh an nachdair; Guaill ri guaill ri le onfhadh. Car le car s an aghaidh cuir; Fasgadh dhroma ’s camagag. Togail obann, sgailceadh bhonnan, Sgoltadh lobht’ le garbh-chnap, Glun air broilleach, crog air amhach; Stararaich ’us aimlisg. “Leig as do ghreim!” arsa ’n gadaiche. “An leig!” arsa mis, “bithidh mo dha bhot ur agam an toiseach!” “Bheir mise suas thu air son defamation de charadair!” ars esan. “An d’ thoir?” arsa mis. “Saoil thu nach biodh e feumail dhuit thu fhein faighinn suas an toiseach!” arsa mi fhin. Ach ’s glan a chaidh fhoillseachadh dhomhsa, gur “Mairg a dheanadh uaill a gairdean feola.” Or, air dhomh a bhi mealtainn ard-shuaibhneas buaidh ’s a chath, fosgladh Poitghuirmean an dorus, gu fealltach, ’s faigheam breab ’s a cheann iochdrach, a chuir mo “bhuilsgean tarruin” a thuainealaich, air choir ’s gun d’ fhuair mi mifhin steidhicht’ air mo cheann uachdrach ann an oisinn; ’s mas do thar mi tionndadh gu bonnchar nadurrach, bha phoit ’s an gadaich araon air falbh. Cha’n urrainn mi luaidh air mar chuir mi seachad an oidhch’ ’s an toll udlaidh ghrannd ud; ach thainig an la, mu deireadh, ’s leis an la thainig trioblaidean ura. Mu naoi uairean ’s a mhadainn threoraicheadh do ’n Taighmhoid mi, ’s dh’ eigh Dlobha-tomhais a mach “Eachunn Mac ’Urch ’s ’Onnuill,” alais An “Taillear Mor.” Here! arsa mis. Stand up! arsa ’m breitheamh. Dh’ eirich mi, leubh an cleireach paipear cho fada ri mo ghirdean ’ga mo chaineadh fhin, ’s b’ e sin an caineadh; cha chuala mise, ’dhuine, ’leithid de chainnt riamh. (Ri leantuinn.) Tha Lighicahean cleachdadh M’ds Linimen Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. Minards Liniment air son Loine. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith irt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 116] [Vol. 3. No. 15. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 13, 1894. THA Times Lunnuinn, aon de na paipearan a’s tuigsiche tha ’m Breatuinn, ag ràdh a thaobh a chogaidh eadar Sina us Iapan, nach biodh e gu feum sam bith do rioghachdan na Roinn-Eorpa dhol ’san eadraiginn, a chionn nach b’ urrainn daibh stad a chur orra gun feachd ro làidir a chur dh’ an chogadh, feachd na’s làidiae na ghabhas cur ann. A bhàrr air sin, ge b’e rioghachd a ghabhadh oirre féin a dhol ’san eadraiginn, dheanadh i nàmhaid ghuineach de dh’ Iapan, an rioghachd a’s cumhachdaiche ’s a’s fhearr tha fàs de rioghachdan na h-àirde n-Ear uile, agus cha bhiodh i a’ gleidheadh dad dhi féin no a’ deanamh math sam bith do’n t-saoghal. Feumaidh Sìna us Iapan an cogadh a’ chur air adhart eatorra fhéin.” Tha Iapan ag iarraidh airgid-iasaid air son an cogadh a chumail suas, ’s tha Sìna a’ deanamh gach ullachadh is urrainn di féin. Tha a cuid shaighdearan aig an àm so ann an droch shuidheachadh air son cogaidh, moran dhiubh aig nach eil arm a’s fheárr na bogha ’s saighead. Tha e air aithris gu bheil Sìna a’ tagradh ris a Ghearmailt air son na’s urrainn dhi a’ dheanamh gus an cogadh a thoirt gu crich. Bha stoirm mhor aig St. Pierre oiche Mhàrt. Bha mu leth-cheud soitheach iasgaich air an tur bhristeadh agus bha co-dhiu deichnear air am bàthadh. Tha àireamh mhor de na soithichean iasgaich air nach d’ fhuaireadh sgeul fhathast, agus bha dha no tri cheudan de dhaoine air bòrd. BHA eagal mor air daoin’ ann am Breatuinn toiseach na seachdain so, gu robh i fhéin ’san Fhraing ri bhi ’n amhaichean a chéile rithist. Ach dh’ fhalbh an t-eagal sin ’nuair a chual iad nach robh dad neo-àbhaisteach eatorra. Ged a bhitheadh, tha iad na’s glice na gu rachadh iad a chogadh gus am fairtlicheadh orra tighinn gu còrdadh sitheil. Cum Minard’s Liniment ’san tigh Cha’n eil cùisean ach glé mhi-riaghailteach ann an Eirinn. Riamh o’n chaochail Parnell, tha na fir-phàrlamaid anns an dùthaich sin air an roinn an aghaidh a chéile, air dhòigh ’s nach eil neart sam bith annta nan duthaich féin no ann an tigh na pàrlamaid. ’S ann tre eas-aonachd a sluagh féin a thàinsg Eirinn gu bhi fo chis do Shasuinn an toiseach, agus ’s e eas-aon acad a sluaigh féin a tha ’n diugh a cumail uaipe a’ cheartais a tha i ’g iarraidh. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. POSAIDHEAN. Aig Allt nan Innseanach, air a Chladach-a-Tuath, air an 20mh latha de September, leis an Urr. Iain Friseal, Murchadh Mac Aonghais, ri Cairistine Nic Leòid, nighean Uilleim ’Ic Leòid. Aig Ceap Nòr, air an treas latha de dh’ October, leis an Urr. Calum Mac Leòid Sìmon Mac Fhionghain, ri Peigi Fhriseal, le chéile a Meat Cove. BAIS. Aig Iona, an 8mh latha de dh’ October, Iain S. Mac Néill, 70 bliadhna dh’ aois. Aig French Road, air an 20mh le de September, Mor Dhomhnuilach, bantrach Aonghas Mhóir Dhomhnullaich, 76 bliadhna dh’ aois. Aig Taobh Deas Amhuinn Dhennis, air an 30mh. latha de Sepetember Domhnull A. Ceanadach, duin’ ùg cliùteach, tri bliadhna deug air fhichead a dh’ aois. Aig Baigh Bhaddeck, air an 13 latha de September, Gilleasbuig Mac Dhearmaid, 76 bliadhna dh’ aois. Rugadh e anns na h-Earadh. Bha e ’na eildeir ’s na fhear-seinn ann an eaglais Bhaddeck o chionn àireamh mhor bliadhnachan. Bha e ’na dhuine measail, ’s dh’ fhàg e moran chàirdein. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR. Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 117] [Vol. 3. No. 15. p. 5] NAIDHEACHDAN. THA Caitlicich Eilean a’ Phrionnsa a’ deanamh deiseil gus eaglais mhor bhriagha a chur suas ann an Charlottetown. THUIT uisge gu leòr air an t-seachdain so, agus bha’n dùthaibh glé fheumach air. Ann an iomadh àite bha na tobraichean ’s na h-uillt ’an imis a bhi tioran, ’s bha aig cuid ri bhi tarruinn uisge astar mor. CHAIDH tigh-òsda Bhras d’ Oir ann am Baddeck, a losgadh oiche Di-luain. Thòisich an teine ann an rum cadail air an lobhta, ’s bha e air a dhol cho fad air adhart nuair a thugadh an aire dha ’s nach gabhadh casg cur air. DH’ FHALBH àireamh de dh’ Eadailtich, a bha ’g obair air an rathad iaruinn fad an t-sanhraidh, air an turus dhachaidh ’sa mhaduinn Di-màirt. ’S iomadh duine thuirt “Bliadhna mhath ’nan deigh” ’nuair a chunnaic iad a’ falbh ìad. LE bàs bràthair-céile dhi, thainig dileab mhor air Mrs Bosdet, ann an Arichat; ’s i ’n dileab aon de na h-oighreachdan a’s fhearr a tha air Jersey, agus suimeannan mor’ airgid. Bha Mrs. Bosdet roimhe so a’ cumail tigh-òsda ann an Airchat. THA chùirt mhor na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so. ’S tric le daoine bhi fàgail air a chùirt mhòir gu bheil side bhog shliubach a’ tighinn leatha, ach ma’s i a thug an t-uisge g’ ar n-ionnsuidh air an turus so, ’s bochd nach robh i ann na bu tràithe. THA ’n cogadh eadar Iapan us Sìna a’ dol a chur suas pris na ti. Tha na ceannaichean ann am Montreal an deigh fios fhaotainn á Sina gu bheil a phris air éiridh anns an duthaich sin cheana. Cha n-fhada uime sin gus an éirich a phris anns an dùthaich so. Bi’dh an “cupan ti” an uair sin beagan na’s cosgaile dhuinn. TEINE.—Chaidh ceithir taighean a losgadh ann am Port Morien oiche Di-luain. Thòisich an teine ann an tigh anns an robh Iain D. Mac Ille-mhaoil a fuireach agus sgaoil e air gach taobh gus an robh tri taighean eile air an losgadh, fear le Iain Mac Amhlaidh (Gobha) agus tigh us sabhal le Gilleasbuig Mac Fhionghain. Rinn an teine an sin greim air tigh anns an robh Domhnull Mac-an-t-Saoir a fuireach, ach fhuaireadh an tigh sin a chur as a chéile, agus chuir sin stad air an teine. Mur biodh gu robh ’n oiche ciùin gun ghaoth a bhi ann idir bha chuid a b’ fhearr dhe’n bhaile air a dhol ’na smàl. THAINIG bàs glé aithghearr air fear Iomhar Farrel, ann am Bridgeport, oiche Shatharna s’a chaidh. Ghabh e shuipeir mar a b’ abhaist, ’s chaidh e mach do stor a bha e ’cumail. Cha robh e ach gann air ruigheachd ’nuair a thuit e marbh air an ùrlar. Bha e ’na dhuine slàn riamh, ’s cha robh choltas gu robh tinneas sam bith air mu àm a bhais. Bha e na chaiptein soithich fad àireamh bhliadhnachan ’s cha do sguir e dhol dh’ ionnsuidh na mara gus o chionn ghoirid. CHAIDH beagan bristidh a dheanamh air soitheach-seòlaidh aig drochaid nan Narrows Mhòra. Bha i air a dhol troimh ’n drochaid, ’s air doigh-eigin bhuail i air an obair-chlachaireachd. Cha’n eil an call glé mhor. THA Iompaire Ruisia glé thinn aig an àm so. Tha na dotafrean a’ deanamh dheth nach mair e fada mur téid e ’m feabhas a ’dh aithghearr. Tha a mhac a’s sine, oighe chrùin gle thinn cuideachd, choinn ’s nach eil dùil rie dhol na’s fhearr. BHA ’n “Kingfisher,” te de na soithichean beaga ’tha Canada a’ cumail mu chladaichean nam mor-roinnean so air son dion an iasgaich, anns an acarsaid oiche Di-ciaduinn Is soitheach seòlaidh i, ach “dhe’n fhasan ùr” mar a thuirt fear de na seòladairean ruinn, agus cuiridh i barrachd astair as a deigh na chuireas iomadh soitheach a th’air a cur air falbh le smùid. Bha i mu’n cuairt de dh’ Eilean a’ Phrionnsa fad an t-samhraidh. BHA soitheach a’ dol suas Gulf St. Lawrence an la roimhe ’s thainig i faisg air taigh-soluis a th’air Bird Rock, eilean beag aonranach a tha ceud mill o’n fhearann a’s fhaisge air. Bha comharra aig luchd an taigh-sholuis suas ag iarraidh taghall. Rinn an soitheach sin, agus fhuair i gu robh iad gann de dhiadh. Cha robh aca ach gann na chuireadh dà sheachdain seachad, agus iad ceud mile bho thir ’s gun dòigh ac’ air fios chur a dh’ iarraidh bidh. Cho luath ’sa rainig an soitheach port chuir i fios thun a riaghlaidh ag innse mar a bha, ’s bidh biadh air a chur g’an ionnsuidh gun dàil. Iadsan a Phaigh. Iain I. Gillios, Meadows, S’y Forks. A. N. Nac Fàidein, Malagawatch. Bean Neill ’Ic Leoid, Beinn Chain, (25cts.) Calum Mac Leoid, Narrows Bheaga, (25c.) Peigi M. Dhomhnullach, S. W. Margaree. Murchadh I. Mathanach, Grand River. Euphemia Nic Aidh, Boston. Iain Ros. Iron Rock, Pic’ou, N. S. P. M. Caimbeul, M. D., Lagan, Ont. Alasdair Kempt, Waipu, New Zealand; Iain Rothach, Marsden Point, do. Freagairtean. CABAR FEIDH.—Leugh sinn do litir, ’s tha sinn a toirt moran taing dhuit air a son. Feuchaidh sinn ris na comhairlean a thug thu oirnn a’ ghabhail. “Is math an sgàthan sùil caraide.” IAIN ROTHACH.—Cluinneamaid uat a rithist a’ cheud chothrom a gheibh thu air sgriobhadh. Thoir beannachdan uainn gu luchd na Gàilig anns a chearna sin dhe’n t-saoghal. CALUM RUADH.—A Ghàilig a bàsachadh? Co tha ’g radh gu bheil? Luchd na Beurla! Sin an duan a bh’ aig luchd na Beurla, mar a tuirt am fear eile, riamh o linn righ Calum Ceann-mor, a phòs a bhan Shasunnach. Cha robh linn uaithe sin nach robh Gháilig, a réir am barail.san, a tilgeil na h-analach, ach tha i ’n diugh cho beò ’sa bha i riamh ’s gun taing dhaibh. Nach fhad’ o’n chual thu iomradh air “aisling caillich air a dùrachd.” An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 118] [Vol. 3. No. 15. p. 6] ORAN NAN COILEACH. Rinneadh an t-òran so o chionn dlùth air ceud bliadhna. B’e Aonghas Mac-a-Phearsain, ann am Beinn-a-Bhaoghla, no, mar chante ris, Aonghas òg mac Aonghais ’ic Dhomhuill ’ic Iain, a rinn e. Bha Aonghas òg ’na thaghadh a’ bhàird. Rinn e iomadh òran, ach cha ’n eil mòran air chuimhne dhiubh an diugh. Chaidh mac do dh’ Aoghnas òg do ’m b’ainm Iain, gu ruige Ceap Breatunn o chionn dlùth air tri fichead bliadhna. Dh’innis mo charaide, Micheal Domhnullach, dhomh, gu bheil cuid de theaghlach Iain ’ic Aonghais òig beò, slan, agus glé mhath air an dòigh ann an àite gun bhi fada o Mhèinnean Lorbhaidh. Ma chaidh iad ris na daoine o’n d’ thàinig iad, feumaidh gu bheil iad gu nàdurra glé gheur-chuiseach, agus deas aig àm sam bith gu ceathramh us ceathramh òrain a chur ri chéile. Anns an àm ’san d’ rinneadh an t-òran cha robh na h-uaireadairean cho pailt ’sa tha iad an diugh. Cha robh uaireadair aig fear sam bith, ach aig daoine a bha os cionn a’ chumanta, mar a bha tuathanaich mhòra, pearsachan-eaglais, maighstirean-sgoile, agus daoine do’n do thachair a bhith a’ siubhal an t-saoghail agus ag iarraidh an fhortain, mar bha “Domhull dona mac na bantraich.” Ged a bha Aonghas òg ’na thuathanach cho math air a dhòigh ri h-aon de sheòrsa a bh’anns an dùthaich, cha robh uaireadair no cloc aige. Anns an àm ud bha daoine mòran ni ba dìchiollaiche agus ni b’ fhearr gu obair na tha sluagh an latha ’n diugh. Dh’ éireadh iad gu math moch ’s a’ mhaduinn, gu h-àraid an àm an earraich agus an àm an fhoghair. Cha bhiodh na seana Ghàidheil air an dromannan dìreach anns na leapannan gu naoi no deich a dh’uairean ’s a’ mhaduinn ’san àm ud idir, mar a bhios na seotairean gun fheum a tha cho lìonmhor air an taobh so de’n Chuan-an-iar aig an àm so. Mu ghairm choileach ’s a’ mhaduinn Di-luain, eadar dhà Shamhuinn, dh’éirich Aonghas òg, agus thog e an teine, agus chuir e na ràinig aois cosnaidh de ’n teaghlach air an cois, air dhòigh ’s gu’m biodh iad deas gus a dhol a thogail a’ bhuntàta cho luma luath ’sa thigeadh balt air an latha. Dheasaicheadh am biadh, agus an déigh dhaibh a ghabhail shuidh iad mu’n cuairt an teine gus an tigeadh an latha; oir cha robh feum sam bith dhaibh a dhol a mach gus am biodh de sholus latha aca na chitbeadh am buntàta. An uair a bha iad mar so a’ feitheamh gus an tigeadh an latha, thàinig dà isean coilich a nuas bhar na spiris air an robh, an uair a dhùisg iad ’s a chunnaic iad solus an teine agus a’ chrùisgein. Thòisich iad ri gairm gu fraumach ’s iad ’nan seasamh air bathais an ùrlair. Cha robb iad aon chuid math gu gairm no idir bòidheach ri ’m faicinn; oir cha robh annta ach gurasglaich ghrannda a thug cearc a nuas ann tom fheanntag anmoch air a’ bhliadhna. So an t-òran mar a sgriobh caraid dhomh e o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha amhrus agam gu bheil ceathramh no dhà a dhìth air. 22, 9, ’94. IAIN. AN T-ORAN. Di-luain is moch a dhùisgeadh An t-sùil a bha ’nam cheann; Bha dithis air an ùrlar, ’S bu chùirteil leam an cainnt; ’S iad a’ seinn a’ chiùil dhuinn, ’S bu bhòidheach leam an greann; Gur e thog an sùnnd orm Bhith ’g inns’ na h-ùine bh’ ann. Bha ’n coileach dubh gu spòrsail, ’Se toisechadh gu ciùin, ’Cur a ghùth an òrdan Gu freagairt còmhladh dhuinn; Nam bithinn leat ’san t-seòmar Gu faighinn òr ’ga chionn; Cha chualas riamh ni’s bòidhche Na’n ceòl a sheinneas tu. Mo choileach dubh mar fheucaig A dh’ éireas gu ro thràth; Tha m’ aigneadh anns an leumnaich Ag éisdeachd ri d’ ghuth tlàth; ’S beag ioghnadh tu bhith leomach, ’S ann ort tha ’n còta ’s fhearr; Do neapaiginn an òrdan, Mar neonain buidhe ’s bàn. ’N uair théid thu ’na do chòmhdach Gu spòrsail air a’ bhlàr, ’S e’n dath a th’ air do chòta ’Chuir mais’ o d’ shròin gu d’ earr; Tha lainnir uaine ’tòchdadh ’S an eun a’s bòidhche blàth; Tha cus a dh’ itean cuachach O d’ earball suas a’ fàs. Gu’n duirt an coileach ruadh rium ’S e ’togail suas gu féil— “Gur ann domh bu dual a Bhith cruadalach, deas, treun; Gu’n cuirinn fiughair bhuadhach Air duine o’ shuain gu feum, ’N uair a dh’ éireadh gruag orm, ’S a bhuailinn mo dhà sgéith.” Cha toir mise tàmailt Gu bràth do’n choileach dhearg, ’S gun ort ach smachd na h-òige ’S tu’n còmhnuidh a’ fas calam’; ’S tu gu taiceil, dùmhail Le d’ chùl-spuir ’s le d’ dhà chalap’; ’S gu’n fhitheach anns an dòthaich Nach spùil thu—’s tu tha garg. Coileach nan ciamh planntrach ’S gach ball dhe mar an t-òr, Tha goic is muineal càm air, ’S e gàllanach gu leòr; Is tu gu’n togadh innsgin Air duine tinn gu spors, ’S e am fuaim a thìg o d’ chìdhlean, ’Thog m’ inntinn thun mo bheoil. Cha toir mise uam thu, ’S tu buachaillle mo chearc, Gur onarach an céil’ thu, Ort fhein a dh’ fhàs an tlachd, Saoil thu nach b’e siad e, Gu foinnidh, fiachail, bras; Ged thachradh nion* an righ ris Cha toir i chaoidh as feachd. Nan cuirteadh ruigse nàduir An eun an àit’ air bith, Gur ann ’s a’ choileach dháicheil A thog a chàil ri meas; A ni dhomh ceann na càraid, ’S gu h-àraid ’sguabadh taigh; ’S a ghleidheadh am buntàta, Nam b’ àbhaist’ fhàgail ris. O’n tha mi air mo phianadh. ’S nach mol mi trian de’r gnàths, Sguirdh mi dhe ’m bliadhna, Mu’m bi mo sgeula cearr.— Eoin gun sgread gun sgreuchail, Mar thogas fianuis chàich Ga ballach, ruiteach, sgiamhach, Gu loinneach lionta, lan. *An iolaire. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 119] [Vol. 3. No. 15. p. 7] CIONTACH—ACH AIR MHISG. Bho chionn mhoran bhliadhnaichean, bha ann am Baile-nach-abair-mi breitheamh ainmeil agus ro ionnsaichte anns an lagh. Bha e fo mhor cliu air son treibhdhireas agus ionracas a bheatha mar bhreitheamh; ach bha aon choire air. Bha e ’n a fhear-cuideachd cho math gu ’n robh e ealamh gu bhi, a dh-aindeoin a ghliocais, air a bhuaireadh gu bhi leum garadh-criche na stuamachd—a dh-innseadh na firinn bha e trom air an ol. Dh’ fhaodteadh a bhi cinnteach, am feasgar roimh an latha air am bitheadh mod ri bhi aige agus an uair a thigeadh na sgaoimirean oga de luchd-lagha a b’abhaist a bhi a’ frithealadh na cuirte cruinn, dh’ fhaodteadh, mar tha mi ag radh, a bhi lan chinnteachd gu ’n geilleadh am breitheamh coir do ’n t-seana chleachdainn, agus gu ’m faighteadh e gu solasach, seasgair ’n a shuidhe ann an aon de sheomraichean arda an tigh-osda a bha air taobh elle a’ chunic, mar gu ’m biodh righ ann, am meadaon sgaoth de muinntir nan gruaga geala. Thachair da a bhl anns an t-suidheachadh so air feasgar earraich, bliadhna de na bliadhnaichean. Bha e fein agus a’ choisir aluinn a bha leis an deigh suipeir ghreadhnach a cur thairis agus iad a nis air toiseachadh air ol agus air aighear. “A dhaoin’-uaisle,” ars’ am breitheamh, “tha uine mhor a nis bho nach robh gloine cridheil againn le cheile—olaimaid ’m an cuairt deoch-slainte an Righ, ’S gu ’n tuit an lamh bho ’n uilinn De gach duine ni a diultadh’. Tha uisge-beatha is fearr agad an drast na bha agad an uair mu dheireadh a choinneach sinn a’ so, a Dhomhnuill-nan-siolachan,” ars’ asan, agus e a’ tionndadh air an osdair; “an deoch a bha agad an oidhche sin cha tairginn do m’ chu i!” Mhol Domhnull an t-uisge-beatha, agus na thaice ghabh na feara. Cha ruigear a leas toiseachadh air a chur an ceill co ris a tha a leithid so a chodhail ann an tigh-osda duthcha coltach—is leoir r’a innseadh gu’n do thog am breitheamh fiachail air, uair eigin mu mheadhon oidhche, a dheanamh a rathaid lubaich dhachaidh mar a b’ urrainn da. Ge ta, beagan m’ an do thog e air, mar bha an t-olc anns na fir-lagh a bha ’n a chuideachd, ciod a rinn iad ach, gun eagal duine no breitheimh, gu ’n do chairich iad na bha de spainean airgid air bord Dhomhnuill-nan-siolachan, ann am poca a’ bhreitheimh. Mu ochd uairean ’s a’ mhadainn an latha-ar-na-mhaireach dh’ eirich mo laochan, ghlan e e fein ghabh e a lon-maidean agus chaidh e stigh d’ a sheomar g’ a chmr fein an uidheam air son dleasnasan an latha. “Tha mi,” ars’ esan r’ a mhnaoi, “ga m’ fhaireachdainn fein moran na ’s fhéarr na bha suil agam an deigh ruiteireachd na h-oidhche raoir.” “O, dhuine,” fhreagair ise, “is mithich dhuibh fas glic agus sgur de ’n chleachdainn ghraineil so—tha an aois a’ laidhe oirbh.” “Is faoin duit a bhi ’bruidhihn,” ars am breitheamh, aig a’ ceart am a’ cur a laimh ann am poca a chota-mhoir, an uair, ciod a b’ iongantaiche leis na greim fhaighinn air lan an dusain de spainean airgid Dhomhnuill-nan-soliachan. Thilg e mach air an urlar iad. Le gnuis lan uamhainn agus naire ghlaodh e— “O Ealasaid!” “Ciod air thalamh tha’n sin, a bhreitheimh?” “Am faic thu na spainean sin!” “An ainm an aigh, c’ aite ’n d’ fhuair thu iad?” (Ri leantuinn.) MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 120] [Vol. 3. No. 15. p. 8] Litir a New Zealand. A MHIC-TALLA CHOIR,—Tha mi a’ cur thugad òrdugh air an tigh-litrichean air son dà thasdan deug us sia sgillinnean de dh’ airgiod Sasunnach. Tha e bho mo charaid, Alasdair Kemp, agus uam fhéin, air son bliadhna, do gach fear againn, dhe’n MHAC-TALLA. Tha ar n-ainmean ’s ar n àitean-comhnuidh air an sgriobhadh air an taobh eile dhe’n duilleig. Bha mi ’faicinn àireamhan de ’n phaipear a bha tighinn ’an taobh so gu muinntir eile, agus ghabh mi tlachd mor dhiu. Tha e cho snasail, ’s a toirt naidheachdan ar dùthcha a tha cho taitneach leinn a’ bhi ’gan leughadh, agus gun facal Beurla eadar a dha cheann. Tha na paipearan Albannannach gle mhath, ach cha tig iad suas ri MAC-TALLA. Tha moran de dhaoine ’n dùil nach urrainnear Gàilig a labhairt no a sgriobhadh gun Beurla ’na measg, ’s gur ann o’n Bheurla tha moran dhe’n Ghàilig air a togail. Cha n-eil sin ceart; tha ’n fheadhain a tha cantainn a leithid sin a nochdadh an aineolais. Tha MAC-TALLA fhéin ’na dhearbhadh air sin. ’S ann tha Bheurla gu tric ’an eiseamail na Gàilig air son mòran de dh’ fhacail, an aon dòigh ’sa tha i an eiseamail na Laidinn ’s na Gréigis, ’s cànainean na Roinn-Eòrpa cha mhor uile. Ged is duilich leann e, tha ’Ghàilig a’ dol air ais gu mor anns a’ cheàrna so de’n dùthaich so. Ann am beagan bhliadhnachan eile cha bhi facal dhi ri chluinntinn idir. Cha n-eil sinn ann ach beagan de Ghàidheil, agus tha sinn air ar cuartachadh le Sasunnaich, ’s tha ’Bheurla mar sin a toirt buaidh. Tha chuid mhor de’n t-seann fheadhain a’ labhairt na Gàilig ’nan dachaidhean, ach glé thric, bheir a chlann, a tha gach latha ’n comunn nan Sasunnach freagairt dhaibh ann am Beurla. Bidh an òigridh a’ dol o’n bhaile gu cosnadh, agus le cion a bhi cleachdadh cainnt am pàrantan, tha iad ’g a call, Tha iad a’ cumail suas comunn Gàidhealach ann a Waipu, agus dòcha nach bi facal Gailig air a labhairt aig aon de na coinneamhan! Tha ’n toil aca ach cha n-eil an comas aca air a chainnt bu chòir a bhi aca chur an céill. Tha iad a’ cumail suas moran de chleachdain an sinnsir. Tha mòran de na gillean òga ’nan deagh phiobairean, agus ’nan sàr dhannsairean. Bidh iad gu tric a’ cosnadh udhaisean air lathaichean-féille, air son cluichean Gàidhealach, piobaireachd, agus dannsa ri ceòl na pioba. Agus tha na caileagan a cheart cho math ris na gillean. Tha sinne ’thàinig à Ceap Breatuinn air ar sgapadh eadar tri sgirean agus gu math fada o chèile. ’Se Waipu an an t-àite anns am mù bheil de shluagh. ’N am bitheamaid uile cuideachd, bhitheamaid na bu treise anns a h-uile dóigh. Ach mar a tha sinn, tha sinn fo anacothrom mòr. Chaochail, o chionn beagan mhiosan, ann a’ Waipu, Alasdair Mac Coinnich, d’ am b’ fhath-ainm “am Bàillidh.” Thàinig e bho’n Amhuinn Mheadhonaich (’an C. B.), àite bha riamh ainmeil air son fath-ainmean. Bha e tri fichead bliadhna ’sa naoi a dh’aois, agus dh’ fhàg e bantrach, triùir nighean agus aona mhac. Bha e ’na dhuine còir measail. Chaochail mar an ceudna Domhull Mac Leòid, ceannard luinge còigeamh mac Alasdair ’Ic Leòid (clachair) a thàinig á St. Ann’s. Bha e chomhnuidh anns na h-eileanan agus ann a’ Noumea, baile-mòr mam Frangach a chionn iomadh bliadhna. Bha e da fhichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Dh’fhàg eroinn dhe bheairteas d’a chàirdean anns an dùthaich so. Bha e glé bheairteach. Tha mhuinntir a thainig do’n dùthaich so gu math cothromach ’nan crannchur, agus beannaichidh iad an latha ghluais iad o’n bhaile. Mu’n àm tha mi ’sgriobhadh so, tha i glé fhuar; bha sneachd aca mu thimchioll baile-mor Auckland, ach cha robh smod anns a cheàrua so. ’S ann uair ainneamh ’tha reothadh againn ’an so. Is mise do dhearbh charaid. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsdan, N. Z., an 4mh latha dhe’n t-Sultuine, 1894. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 2, 1894. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND &CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 121] [Vol. 3. No. 16. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 20, 1894. No. 16. A’ GHAELIG. Ged is e Oisein a sheinn cliu ’s a thog moladh nan looch ’s nan sonn d’ am b’ aite comhnuidh Mor-bheinn, ged a thog è dan ’s a bhuail è classach aig fleagh nan sar, ged is e ’tha ’ginnseadh duinn cia mar bhuadhaich laoich na Feinne aig Caruinn, cia mar thuit na coigrich a’ b’ airde guth roimh shleaghan sgaiteach nan Gàidheal, ged is Oisein a tha nochdadh duinn cia co meamnach, curanta ’s a bha ’n triath Cleasamor am feachd a namihdean, oir bha anam a’ lasadh gu thrian leis fein, agus a chlaidheamh a’ crith. mhosgladh gu ’cheann, tha iomadh bàrd Gàidhealach eile againn a tha measail, mileanta agus urlabhrach. Nach ciatach ’us nach tiamhaidh Miann a’ Bhàird aosda. Rainig e feasgar a laithean. Threig a lugh ’s a threoir e. Tha è ’dortadh mach ’fhaireachduinnean cianail agus iarrtuisean ann am briathran modhail. Is è mhiann gun bi gach caraid saoghaltá ’g a leanntuinn; siubhal mall nan allt; cairdeas na greine, na sobhraichean ’s na neoineanan, clann bheag nam preas; lu-chleas nan laogh, ’us binn fhuaim geum nan aighean mear,—tha è miannach gum bi iad so uile ’g a leanntuinn. Co a dhiultas moladh a dheanamh air gaisge ’s bàrdachd Mhairi Nighean Alasdair Ruaidh, bana bhàrd nan eileanan. Tha a dain ’s a h-orain treubhach mar bha i féin. Is i a’s ughdair do’n Talla ’m bu ghnath le Mac Leoid. Is geur ’us is muladach a tuireadh on tha Sir Tormod sar Mhac Mhic Leoid iosal. Dh-fhuadaich Mac Leoid gu eilean i. Bha ise cairdeil risan, agus chuir i ri cheile luinneag Mhic Leoid a’ moladh a ghliocais, a mhisnich, a chruadail, a ghaisge, a dhreach, a dheilbh, ’us uaisle. Choisinn a luinneag bhoidheach a saorsa dhi; chaidh i air a h-ais le deoin gu duthaich Mhic Leoid. Bha Iain Lom am bàrd Abrach, fileanta, briathrach. Is iomadh marbhrann ’us cumha ’rinn e ’s a sheinn e. Ged nach robh è fein gaisgeil no aghartach, tha a bhardachd milis snasmhor. Is àrd smuaintean agus is flathail Gàelig a’ Phiobaire Dhoill ann a’ cumha Choir an Easainn,” a tha duilleach tormanach, gormanach, aluinn. Agus co an Gàidheal nach ’eil eolach air ainm ’s air bàrdachd Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Dhearbh esan gu cinnteach gum bheil beachd nan daoine sin cearr, a tha ’smuainteachadh nach ’eil è comasach ni air bith àrd no domhainn a sgeadachadh le trusgan Gàelig; agus air an aobhar sin gur coir duinn a chuideachd a thréig sinn gu bueileach. Is e bàrd foghluimte ’bha ann am Mac Mhaighstir Alasdair. Cha-n ’eil neach a leughas oran an t-Samhraidh, nach faic cia co àrd-aigeannach, àrd-inntinneach ’s a bha e. Cha-n ’eil furasda buardh a thoirt air Moladh Mhoraig, an ribhinn bhuidhe bhastalach. Tha Birlinn Chlann Raonuill a’ seasamh leis fein ann an sgiamh ’s ann an treubhanis na bàrdachd. Cha bhitheadh e ceart imeachd seachad air Iain Mac Codrum, oir bha è maith air moladh agus air caineadh. An uair a bha Seumas Mac a’ Phearainn a’ gabhail cuairt air feadh na Gáidhealtachd, a’ cruinneachadh dain Oisein chuir è cheisd so air Mac Codrum; ‘am bheil dad agad air an Fheinn?’ Fhreagair Mac Codrum, “cha-n ’eil, ’us ged do bhitheadh, cha ruiginn leas iarruidh a nis.” Tha ceisd Mhic a’ Phearsainn a’ dearbhadh gu soilleir nach robh e comasach air dain cosmhuil ri dain an treun-laoich Oisein a chur ri cheile. Choisinn Rob Donn dha fein ainm a mhaireas. Tha e soilleir au’n robh e bho thus oige deas-chainnteach agus deigheil air a smuaintean ’s a bheachdan uile chur ann an uidheam cheolmhor. Ach am measg iomadh bàrd iomraiteach snasmhor Gàidhealach, tha aon ann d’ am buin ailleachd ro-mhor,—filidh aig nach robh comas sgriobhaidh no leughaidh,—bárd Choire Cheathach nan aighean suibhlach bárd a’ choire runaich a’s urar fonn, far am bi ’m bradan tarra-gheal le shoilisinn airgid, gu h-iteach meanbh-bhreac gu lannach dearg-bhallach earrgheal sliom: “am bàrd a mhol Beinn Dorain a tha ’gu cnocanach cnapanach, caiteanach, romach, pasganach, badanach, bachlagach, boidheach:” am bàrd a sgriobh cumha Tarlo Bhrad-Albainn, agus Cumha Chailein Ghlinn Iubhair an duine suairce foisinneach faillteach, caoimhneil, cinneadail, cairdeil;—bàrd Ghlinn Urchaidh far an cinn an-t-arbhar craobhach co caoin gheal ris a’ ghruth, bàrd ghleannain blath na tioralachd—Donncha Ban Mac an t-Saoir. Chaidh Uilleam Ros sios do’n uaighe mum fac è moran laithean; gidheadh dh’fhag è cuimhneachain a mhaireas ’n a dheigh. Sheinn Iain ruadh Stiubhard cliu us chaoidh e gu goirt caramh Thearlaich d’ an thug e speis co mor. Eoghainn mac Lachuinn, uaill ’us onoir Lochabair, an duine uasal, foghluimte foinnidh fial; co ’n Gàidheal nach eil measail air ’ainm, an sgoilear pongail, ionnsuichte, is blath an cairdeas a bha aige riamh ris a’ Ghaelig, agus is mor da rireadh a ruin e air a son. Is esan a tha’ labhairt mar so ris an Samhradh, “a shamhraidh, gheugaich, ghrianaich, cheutaich, dhuillich, fheuraich, chiuin-ghil.” CONA. THA na h-ùbhlan moran na’s pailte ann an Gleann Annapolis am bliachna na bha iad an uiridh. Tha roinn mhor dhuibh ri bhi air an cur a null gu Sasuinn. Tha na h-ùbhlan glé ghann ann am Breatuinn. Minards Liniment air son Loine. [TD 122] [Vol. 3. No. 16. p. 2] TURAS AN TAILLEAR MHOIR DO GHLASCHU. AIR A THOIRT A BHAN BHO BHIAL FHEIN, FACAL AIR AN FHACAL. (Air a leanntuinn.) ’N uair a bha e deis, dh’ eigh am breitheamh—Are you guilty or not guilty? My Lord? Arsa mis. Are you guiltg or not guilty? ars esan. “Cha mhi ’n gealtair no mac a ghealtair!” arsa mis. “Na ’m b’aill le do chairdean, luchd na ’m poitean guirmein, ’s math a dh’fhaodadh iad a cheist sin fhuasgladh dhuit!” arsa mifhin. ’N uair a chual’ e so, a dhuine, chrath e cheann ’s sheall e ’n aird’ air na sailean. Ach a leithid de lachadaich ’s a bha ann an sin, cha chuala ’mac no ’n t-athair. ’N uair a thainig closd orra—ars esan, you’re insane! “Mearachd a rithisd, my Lord, cha mhi ‘Ian Sine’ ni ’s mo na thu fhein, ach ’s mi Eachunn Mor, Mac ’Urch ’c ’Onnuill a’ Rudha-na-claiche-siomain, ’s ciod is urrainn thusa ’channtainn mu dheibhinn?” arsa mis. A mhic na ’n creach, na bha lachadaich ann roimhe, bha ialltuil ann a nis. ’N uair a chunnaic e mar a bha mifhin a deanadh ceol gaire dheth, ’s ann a dh’ ordaicheadh do luchd na ’m poitean greim a dheanadh orm. Ach gu freasdalach dhomhsa, co ’thigeadh a staigh ach Domh’l mo bhrathair, na chorp ’s na choluinn, a dhuine; ’s bho na bha e fhein ’s am breitheamh eolach air a cheile, rinn e reit’ eadar sinn; ach b’ fheudair dhomh pund-Sasunnach a phaidheadh air son an t-siabharachd a rinn mi ’meesg nam poitean guirmein. “Holo! a Dhomh’l mo bhrathair!” arsa mifhin. “Holo thu fhein! Eachuinn mo bhrathair!” arsa Domhnull. “Ciod am brosnach a ghluais o n’ bhail’ thu, gu bhi cluich ‘cus pait a dol fodha, ’s cus pait ag eiridh,’ air cabhsar Lagh-na-sguaib.” (’S e so is ciall do ’n ainm, Broomielaw, do bhrigh ’s gur ann leis na sguabhaichean a b’ abhaisd do mhnathan Ghlaschu an cuisean a reiteach ann.) “Mata ’bhrathair, ghluais briathra mo mhna agus m’ iomacheist mu do dheibhinn fhen o na bhaile mi, agus mu ’n fhearas-chuideachd air a chabhsair, cha do rinn mi ach fhaighneachd dhe bhurraidh do mhaor-sith, am fac e thusa, ’n uair a b’ aill leis a dhol a mhagadh orm. Ach mar a thubhairt mise ris, gu ’m b’e e fein cuisbhuirt bu mhodha, ’falbh le seann phoit ghuirmein air a cheann. Agus a bharrachd air a sin,” thubhairt mi ris. “Am b’ eil thu faicinn dad-eiginn go-m na mo shuil.” “S’ math a thubhairt thu e Eachuinn, a bhrathair!” arsa Domhnull, “agus air m’ onair gu’n d’ thug thu da shiul dhasan cho gorm ’s a chunnaic mis’, agus foghnaidh sin. ’S cinnteach leam gun do chuir thu lasraichesn tein’ asd.” “O, dhuine, rinn mi mo lamhan a gharadh riuth,” arsa mis. “Nach eil sin car laidear a bhrathair!” arsa Domhnull. “Ach eadar da sgial’ agus iomlaid sgine, cait am b’ eil do dha bhot? ’S cinnteach nach d’ thainig thu o’n taigh casruist?” “Cha b’ ioghnadh thu fhaighneach, a bhrathair,” arsa mis, “cha’, dhuine, ’n goid dhe mo dha chas, ann an Saobhaidh nan ciontach, ’s cha ’n e sin a chuid a b’ fhearr dheth, ach gun do mhaoidh an dearg mheirleach a ghoid iad orm, gun d’ thugadh e suas mi air son defamation de charadeur, nan canainn facal gu braeh mun chuis.” “Agus ciod a thubhairt thu ris?” dh’ fheoraich Domhnull. “Thubhairt, gu’m b’e e fhein defamation caradair bu mhodha, ’s gun deanainn a shumanadh do Dhornach chum sin a dhearbhadh,” fhreagair mi. “’S coltach riut e, bhrathair;” arsa Domhnull, “ach coma co dhiu, lean mise, agus theagamh gum b’ eil paidhear aig a’ bhean ann an cuil air choir-eiginn, a dhionas d’ ordagan mora o na clachan gus am faigh thu dhachaidh.” “Tha feum air a chobhair sin!” arsa mis, “agus Sabhalaidh sin mo bhonaid dhomh,” (or, bha mi ’n de cho-dhunadh gun d’ tigeadh orm da chuaran a dheanadh dhith,) Lean mi e, dhuine, ach shaoil mi nach ruigeadh sinn an taigh idir, ’s gur ann a dh’ eirich do Dhomh’l mo bhrathair ’s dhomh fhin mar a dh’ eirich do Mhurchadh Iomhar ’n uair a chaidh e dh’ iarraidh cliabh moine do na mhinistear. So mar thachair do Mhurchadh mata. Dh’ fhalbh e gu h-iollagach ’s a mhadainn mhuich ’s a chliabh air a ghualainn: thainig e air ais’s an fheasgar anmoch, le chliabh air a ghualainn, cho falamh ’s a bha e ’n uair a dh’ fhalbh e. “Ciod a thachair riut a Mhurchaidh!” arsa ’n t-Urramach ris, “chuir thu sinne fo mhoran ionngain.” “A’ Ruighe! ’s ann a dh’fhalbh a chruach.” arsa Murchadh. “’S ge do bha mi ’n toir oirre bho mhadainn, cha d’ fhuair mi fios na faoidh oirre. ’Saoil sibh fein cait an rachadh i!” Ach rainig sinn taigh Dhomh’l mo bhrathair mu dheireadh; ’s an deigh dhuinn ceartas a dheanadh do dhiothad thaiceil thomaltach, ’s ann a theireadh mo phiuthar-cheile. “Fhir-an-taigh’! nach ann is coir dhuibh a dhol a thoirt sealladh air a bhaile dha bhur brathair.” “O! bhean gun eolas!” deir Domhnull, “Ciod a ta anns bhaile so is fhiach a dhol a chomhead?” “Ud, a dhuine, tha sibh dochair! Nach fhiach na tha dh’ or ann an Sraid Earraghaidheil a dhol ga fhaicinn, ’s nach fhiach “Bhocsbhurcs’ Mhic Leoid a dhol gu ’m faicinn,” ars ise. “Bhithinn da riridh air son a dhol do na Bhocsourcs,” arsa mifhin. (Oir bha mi ’n geall air bocas no dha a thoirt dhachaidh gu Mor, gu bhi cumail a cuid cluaimh annt, bho nach robh aic ach seann chriathar air son a ghnothaich sin.) All right! arsa Domhnull, ’s as a thug sinn. Chaidh sinn a bhan sraid a Channanaich, sios sraid Earraghaidheil; agus ge do tha mo cheann liath ’s mo chiabhag maol, ’s fheudair dhomh aideachadh nach fhaca mi a leithid de shealladh bho ruigte ’s a choluinn mi, no fada roimhe sin. Cha robh uinneag ann nach robh cho mor ’s cho leathann ri seol-toisich eanstraich! ’s na h-aile h-aon dhiu a dh’ aon mhir. Ach ge do bha sin iongantach, ’s e bha miorbhuileach na bha ri fhacinn annta. C Bhuadhaich ort? na bha dh’ or, a dh’ airgead, a dh’ umha ’s a chlachan luachmhor sgaoilt air feadh nan uinnaagan ud, cha chreideadh mac duin’ e. Bha slabhraidhean or ann, a dhuine, dheanadh buill-acair do Bhata Buidhe ’Ghreumaich. Uaireadairean oir, cho buidhe ’s cho leathainn ri cairtiuil Mhurchaidh Shinglear (mullachag cbais?) Braisdeachan buidhe donn ’us lachdunn, o mhiad bonn grot gu leud guite, ’s gach ni a’ urrainn mac duin’ ainmeachadh agus moran a thuilleadh sin. An deigh dhuinn a bhi sgith, a coimhead or ’us airgead, rinn air na Bhocsbhurcs, ’s thug reis a staigh. Ach a’ dol an aird’ a cheud staidhre, ’s ann a chidhinn fhin duin’ uamhasach os mo chinn, air a chomhdachadh ann an deise lannach bhuidhe, cho coltach ’s chunna tu riamh ri lurach Carbhanaich, agus cliadheamh ruisgte ’n a dhorn. “A mhuire ’s a Righ” ghlaodh mifhin, ’s mi deanadh greim bais air Domhnull “tiorc sinne.” “Chan fheagal dhuit” arsa Domhnull,” chan eil ann ach deilbh balbh nach [TD 123] [Vol. 3. No. 16. p. 3] urrainn dochunn sam bith a dheanadh ort. Chaidh sinn’ an sin air ar ’n adhairt, ach cha do leig mi as mo ghreim de Dhomhnuil, ’s chaidh na ’r seoladh do rum mor farsuinn, a bha lan fhear ’us bhan, dhe gach seors’ ’us staid o’n righ air a chaithear, gus an ionad is isle measg chlann daoine. ’N a dh’fhosgail an sealladh ud air mo radharc, a dhuine, cha mhor nach do dh’fhannaich mi ’s thoisich mi air mo chath-bheannachadh, oir shaoil mi gur ann an Caithir Shith a bha mi. “A Domh’l mo Brathair!” arsa mise, ’s mi teannachadh a bhun-duirn, (a dh’ fhiachainn am faighinn cnamh ann) “innis dhomhs’ an e thu fein a tha agam, ann ad chorp ’s na do choluinn, no an e do spiorad a th’ ann!” Thug e lachan mor gair’ as, a dhuine, ’s thubhairt e. “Tha mi creidsinn gu’m b’eil sinn le cheil’ ann, Eachuinn. Ach ciod a tha thu farachadh? an ann a’ dol a bhriseadh mo ghairdean a tha thu!” ’N uair a chuala mi so, dh’ fhaithnich mi gu ’n robh farachadh aige ’s ghabh mi misneachd. Thug sinn car tiomchioll an rum. Bha iad ann an sin nan sreathan, a dhuine, mar sgairbh air sgeir, ’s am Brod-garbh croicht’ ri broilleach gach aon dhiu. “Cha’n fhaod e bhi,” arsa mise, “gu’m b’ eil na tha so ag ionnsachadh an Aibideal cearta comhla?” Bha mhiad ’s nach robh air a bhrodgharbh dhiu a falbh mu’n curirt ’s a comhradh, ach bha cach mar a thubhairt mi cheana, cho samhach ’s cho stuidire ri sgairbh a Stacain uaine. “Co am fear a ta’n sud?” arsa mise, ’s mi tomhadh ri duine min, maisneach ann an deise seoladair. “Tha Garibaldi,” arsa Domhnull. Chlab mo chridhe, a dhuine, la eibhneas, an uair a chuala mi gur a Garibaldi a bh’ ann, na chorp ’s na choluinn, agus bhuail agam gu’n canainn facal no dha ris, mu staid na Gàidhealtachd. “Holo! ’Mhaig’st’r Garibaldi!” arsa mis, ach cha d’fhuair mi “holo,” air ais. Chuimhnich mi’n sin, gu’n robh e bodhair le fuaim na ’n gunachan mora. “Holo, Mhaigh’st’r Garibaldi!” ghlaodh mi rithis aig aird’ mo ghuth, ach ’s ann a chaidh mo fhreagairt le co-sheirm ghaireachdaich as gach cearnaigh dhe ’n taigh, anns na dh’ aonich na h-uile, ach luchd a bhrod ghairbh. Phut Domhnull mi ’s thug e thaobh mi. Ars’ esan “nach d’ thu a nairich air thalamh mi le do holo-arachd;” cha’n eil anns an rud sin ris am b’ eil thu glaodhaich ach iomhaigh leaght, deilbh balbh, bodhair, obair lamhan dhaoine.” “Nach d’ thubhairt thu fein riumsa, gur e Garibaldi a bh’ ann,” arsa mis. “Thubhairt mi sin cheana, ach cha robh mi ’n duil gun gabhadh tusa ri iomhaigh leaght’, ann an ait’ anam duine!” arsa Domhnull, “Ach leig ort gur ann an di-bhearsan a bha thu,” ars esan “mas gloc na du-ghoill os ceann d’ aineolas.” “Bheir mi sin fainear,” arsa mis, “Ach ’s duilich leam a chreidsinn gu’r e aon chuid, deilbh leaght’, no snaidh’t’ e, or, tha mi lan dhearbht’ gum faca mi e priobadh orm.” “Tha do reasan a priobadh ort!” arsa Domhnull. Chuir e moran cachdain orm, am ball-magaidh a rinn mi dhiom fhin, ’s chuir mi romham nach tuitinn ’s a mhearachd cheudna rithis, ach cha do leig mi dad orm. Bha sinn a dol mu’n cuairt a’ measg nan iodhalan ’s an luchd aoraidh. Bha Domhnull a sealltainn dhomh fhin righean ’us bann-righean, gaisgich threuna ’s a toirt eachdraidh dhomh mu’m beatha ’s mu’m bas. Sid chunnaic mi fhin ’lamh rium, deilbh leaghte, agus a dhuine, b’ e sealladh bu tiamhaidh a chunnaic mise riamh, bha ceart iomhaidh ’n Fhir-Mhillidh air, le aghaidh bhuidhe poreasachd, a shuil ghleon, fiasag phiollagach bhuidhe-lachdunn, car na bhial, agus cuaile mor bata na dhorn. “A Domh’l mo bhrathair,” arsa mis, “nach d’thig thu ach am faic thu Iudas Iscariot.” “Tha mi fada na d’ chomainn,” ars an deilbh ’s e togail a bhata gu mo smaladh. “Righ glac m’ anam!” arsa mise, ’s mi ’toirt na’m buinn asam. Ghearr mi direach triomh theis-mheadhon na ’n iomhaidhean leaght’ ’s na ’n deilbhean snaidht’. Chuireadh e eibhneas air do chridhe ’dhuine, ’n sgrios a chuir mi air deé na’n cinneach na mo dheifir; ach gu gan-fhortanach dhomhsa, bualam clab mu char an glacaibh deilbh iargalt na deise charbhanaich. Sid car mu char leis an staidhre sinn, gus an deach a sinn nà uar spainean air leac an doruis. Chaidh tuaineal orm, a dhuine, ’s bhruadair mi gun robh mifhin, gadaiche nam bot agus Iudas, a plubhartaich ann am fomhair de phoit-ghnirmein, ’s Garibaldi ga na ’r cuir troimhe cheile le ramh. B’ e stararaich Dhomhnuill a tighnn a bhan a staidhre ’dhuisg mi. Cha luaith ’a thainig mo bhuadhan air an ais, na thug mi reis asam ’us Domhnull ’n a mo dhidh. Rug e air chul amhaich orm a’ dol suas caol-shraid, ’s bhruth e mach eadar fhiaclan, “A dhuine thoirmisgt’! an ann a do a chiall a tha thu?” “Cha’n eil e mi-choltach ris, ’n uair nach aithnich mi na beo a measg na’m mairbh!” arsa mis. “Coma co dhiu a brathair,” arsa Domhnull, “aithnichidh tu bho cheil’ iad an ath uair, cha ’n eil thu fhathast ach ain-eolach air cleasachd na ’m bailtean mora.” “Cha’n eil, a brathair, agus fanaidh mi mar sin—’Buailidh cumhail bheag cumhail mhor’ mas fhaicear mis ann an Bhocsbhorcs a rithist.” (Ri leantuinn.) Tha Lighic ahean cleachdadh M’ds Linimen Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 124] [Vol. 3. No. 16. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 20 1894. ’Se n cogadh an aon sgeul. Cha’n eil cinnt sam bith air ciamar tha dol dhaibh-san a tha ris. Cha’n eil dòigh no innleachd aig luchd nan naidheach a dhol na’s tinne air a chogadh na dha na tri cheudan mile, ’s na naidheachdan a gheibhear bho Shina ’s bho Iapan fhéin, cha’n urrainnear moran creideis a thoirt daibh. Tha sgeul Shina calg-direach an aghaidh sgeul Iapan, ’s tha ’n darra h-aon cho firinneach ris an aon eile. ’Si bharail a a th’aig a chuid a’s mò co-dhiu, nach eil an cogadh ach na fhior thoiseach, agus ’nuair a thòisicheas e da-rireadh nach bi Sina idir cho fad air deireadh ’sa bu mhath le feadhain a thoirt orinn a chreidsinn. Ach ’s glice dhuinn foighidinn a dheanamh, agus gun fàisneachd duine sam bith a ghabhail mar fhirinn. Tha e air a radh “gu faighear deireadh gach sgeòil a nasgaidh.” THA ’n cruithneachd ’s am flùr an’abarrach saor am bliadhna, agus ’s ann a sior dhol na’s isle tha phris. Gheibhear barailte flùir ann an Sidni an diugh air $3.50, pris air nach fhacas aiamh roimh’ e. ’S math an t-àm a thàinig e gu bhi cho saor, tha ’n saoghal an deigh bliadhna chruaidh a chur seachad, obair us airgiod glé ghann ann an iomadh cearna. Na ’m bitheadh biadh cho daor ’sa bha e iomadach bliadhna, ’s iomadh àite anns am biodh gort. Cum Minard’s Liniment ’san tigh. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidhsan a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd. Leabhar Ur Gailig. “Laoidhean agus Dain Spioradail, air an tional, agus àireamh mhòr dhiubh air an eadar-theangachadh leis an Urramach nach maireaun Gilleasbuig K. Mac-Caluim, M. A., LI. D. Air an ullachadh agus air an cur a mach fo laimh Iain White.” Tha an leabhar so air ùr thighinn am mach. Tha ceithir cheud laoidh ann air am eadhar-theangachadh o’n Bheurla, de na laoidhean as bitheanta th’ air an cleachdadh anns na h-eaglaisean ’s anns na sgoilean Sàbaid, a bhàrr air àireamh mhath de iaoidhean na Gàidhealtachd féin. ’Se air barail gu bheil an t-eadar theangachadh air a dheanamh glé mhath. Bu mhath leinn an leabhar a bhi air a chraobh-sgaoileadh gu math. Tha a air a chur a mach le A. Sinclair, 10 Bothwell Street, ’an Glascho. Iadsan a Phaigh. A. Moireastan, Great Falls, Mont. D. B. Domhnullach, Birch Grove, C. B. Joanna B. Mhoireastan, North Gut. Ceat A. Pheutan, Beatonville. Micheal Mac Neill, Piper’s Cove. D. A. Màc Gilleain, Stirling. Iain E. Mac Leòid, Ingonish. F. D. Caimbeul, Middle Cape. Alasdair Caimbeul, Brook Village. Donnach Mac Coinnich, Milton. Calum Mac Neill, (Gobha) Reserve Mines, Bean Aonghais ’Ic Fhionghain, Roseburn. Fionnladh Moireastan, L’Archeneque, $2.00. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR. Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 125] [Vol. 3. No. 16. p. 5] NAIDHEACHDAN. CHA’N eil am “Marion” gu bhi dol troimh na lochan ach aon uair ’san t seachdain ’an deigh so. Bidh i a’ fágail a bhaile so gach maduinn Diordaoin. Chosg e coig mile deug dollar do bhaile Winnipeg cur as do ’n bhric an uiridh. Tha seanairean a bhaile nis dhe ’n bharail gur còir do riaghladh Chanada an t-suinn sin a phàigheadh air ais daibh. Bha pàisde tinn leis an amhaich ghoirt anns a bhaile air an t-seachdain s’a chaidh, ach tha e nis air a dhol am feabhas. Tha ’n teaghlach co-dhiu air an cumail a stigh gus am faicear an gabh gin eile an tinneas. Cha’n eil ach ùine ghoirid o’n thàinig iad do’n bhaile. CHAIDH pàisde le Uilleam Carter, ann am Meinn a Reserve, aois da bhliadhna, a sgàlldadh gu bàs Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit e ann am poit de dh’ uisge goileach a leig a mhathair as a laimh aìr an ùrlar, agus chaidh a losgadh cho dona ’s gun do dh’eug e an ath latha. CHAIDH tòrr mor guail a chur a mach á Meinn a Reserve, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e ach làn da charbad goirid air ceithir cheud deug tunna (1400). Mur e so an obair latha ’s fhearr a rinneadh riamh ann am méinn ghuail ’an Ceap Breatunn, tha e glé fhaisg air. Tha seachd mile mulchag chàise air an càrnadh suas ann an Charlottetown, ’s tha tuilleadh a’ dol ris an àireamh gach seachdain. Bha iad air an deanamh ré an t samhraidh ’s an fhoghair ann a’ factoridhean an eilein fhèin. Cha’n eil ach beagan bhliadhnachan o’n chaidh a’ cheud fhactoridh a chur suas. AIG a chùirt mhòr air an t-seachdain s’a chaidh, fhuair fear Ioseph Hart da bhliadhna gu leth dhe ’n tigh-oibreach air son meirle; fhuair Ioseph Bonnain, Glace Bay, tri miosan dhe’n phriosan air son losgadh air Iain Doyle ’s iad an an sabaid; agus fhuair Iain Doyle (og) da mhios air son a bhi ri Bonnair anns an t-sabaìd cheudna. CHAIDH Robert Wallis, a bha ’na fhear-inneal (engineer) air bòrd soitheach-smùid, a bhàthadh aig laimhrig a ghuail am Port Morien aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a deanamh dheth gur e tuiteam le cliathach an t-soithich a rinn e ’s e ’dol air bòrd air feadh na h-oidhche. Tha cuid ag ràdh gu robh ’n daorach air. THA Mr. Walter Ros, aig a bheil deagh theisteanas bho luchd-teagaisg ciùil ann a Halifax ’s an àitean eile air tigh’nn a Shidni, agus tha e ’teagasg seinn, agus cluich air Organ ’s air Piano. Tha e cuideachd a toirt leasanan ann an leasachadh ’s an neartachadh guth (voice culture). Tha e air iarraidh orra-san leis ’m bu mhath a dhol a dh’ ionnsachadh aige, taghal air, agus gheibh iad gach fiosrachadh a bhios a dhìth orra thaobh phrisean, etc. Tha e fuireach ’san tigh a’s fhaisge do’n eaglais ùir Bhaistich, a deas oirre. CHAIDH gille beag, Uilleam Reynolds, a mharbhadh le gunna ann an tigh ’athar, am Port Hawkesbury, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e tearnadh bhar na lobhta air fàradh agus thuit e ’s bhual e ann an gunna a bha ’na sheasamh ris a’ bhalla. Dh’ fhalbh an urchuir, ’s chaidh am peileir ’na thaobh, ’g a mharbhadh air ball. CHAIDH iolaire mhòr a mharbhadh faisg air Baddeck o chionn ghoirid. Thomhaiseadh i seachd troidhean us ochd òirlich eadar bàrr an dà sgéith. Tha i nis aig fear ann an Sidni Tuath, ’ga cur suas air dòigh ’s gu faic muinntir an àite co ris a tha i coltach. Cha’n eil an iolaire ach glé ghann anns an dùthaich so ’s cha’n eil teagamh nach eil sinn cho math dheth. CHAIDH da thigh dheug air fhìchead a a losgadh gu làr ann am Port Morien, mu mheadhon oidhche Shathurna s’a chaidh. Cha robh duine fuireach annta, ’s cha robh annta ach seann taighean. Bhuineadh iad do mhéinn a Bhlockhouse, agus cha d’ rinneadh feum sam bith dhiubh o’n sguir a mheinn a dh’ obair. Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e cnapaich ghillean a chuir teine riutha. CHAOCHAIL fear Donnacha Mac Nèill, a mhninntir an eilein so, air bòrd na soitheach-smuide “Halifax” air an turus mu dheireadh a chaidh i gu Boston. Bha e o chionn àireamh bhliadhnachan a còmhnuidh anns na Stàitean ach air dha bhi ’g obair tùilleadh us cruaidh, ghabh e droch thinneas ’s thàinig e dhachaidh air son a shlàinte. Cha deach e dad na b’ fhear, ’s air a thurus air ais chaochail e. CHAIDH gill’ òg Alasdair Mac Aonghais, aois shia bliadhn’ deug, a mharbhadh ann am Meinn Victoria, feasgar Di-luain. Bha e ’g obair le each, agus an deigh dha obair-latha a dheanamh, chaidh e thoirt na h-acuinn bhar an eich. Air dha bhi tearnadh as an tuba, thug an t-each leum air adhart, s thuit esan eadar am tuba ’s am balla, ’s bha e air a phrannadh cho dona ’s gu’n d’ thug e bhàs an ceann beagan mhionaidean. Dh’fhalbh seann duine da’m b’ainm Iain Pertus, caiptein soithich, á Poulamond ann an Siorramachd Richmond, o chionn ghoirid gus a dhol dh’ an Fhraìng air toir-dìleab a bha ’tighinn air. An deigh dha bhi ochd no naoidh de lathaichean air a chuan chaochail e. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois. ’N uair fhuair a bhean sgeul a bhàis, dh’fhàs i tinn, agus chaochail i Di-luain s’a chaidh. Thàinig iad a nach as an Fhraing o chionn leth-cheud bliadhna. RINN an stoirm a bh’ ann oidhche Mhàrt air an t-seachdain s’a chaidh, ’s air an d’ taugadh iomradh goirid anns a phaipeir so, call mor mu chladaichean St. Pierre agus nan Stàitean a tuath. Bhristeadh mòran shoithichean, bhàthadh àireamh dhaoine, agus tha soithichean eile air nach d’ fhuaras sgeul o’ n bha ’n stoirm annn, ’s tha e ro choltach gu robh iad air an call. Cho fad so sheachainn an stoirm Ceap Breattunn gu math, ged bha ghaoth làidir gu leòr toiseach na seachdain so. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 126] [Vol. 3. No. 16. p. 6] CIONTACH—ACH AIR MHISG. (Air a leantuinn.) “An d’ fhair mi iad? Nach eil thu a’ faicinn ainm Dhomhnuill-nan-siolachan orra? Ciod a th’ agad air no dheth ach gu’n do ghoid mi iad!” “Ghoid thu iad?” “Ghoid, gun teagamh sam bith!” “A dhuine mo ghaoil, cha ’n urrainn da sin a bhith!—co uaith?” “Bho Dhomhnull-nan-siolachan thall a, sin; tha ’ainm orra.” “A righ ’s a Ridire! Ciod an aona bhuaireadh a thainig ort?” “Is furasda sin ìnnseadh dhuit, mo chreach! bha mi air mhisg an uair a thàinig mi dhachaidh, nach robh?” “Cha ’n fhacas riamh air atharrachadh thu an uair a gheobh thu am measg nam fear-lagha sin.” “Ach an robh mi trom air mhisg?” “Bha thu, gu dearbh.” “An robh mi gu sonruichte air mhisg? “Bha thu cho làn ri buideal, agus cho stallachdach ri laogh-gogain.” “Bha mi ’smaointehchadh sin;” ars’ am breitheamh ’se tuiteam ’na shuidhe ann an cathair fo bhuaireas mor—“bha fhios agam gu ’n tigeadh e gu so air a’ cheann mu dheireadh. Bha mi riamh fo amhrus gu ’n tachradh breamas air chor-eigin dhomh—gu ’n deanainn ciorram air cuid-eigin na ’n eireadh orm—ach cha do shaoil mi riamh gu ’m faicteadh an latha anns an tuitinn cho iosal ’s gu’m bithinn ciontach de ghadaidheachd!” “Ach cha ’n eil fhios nach faod mearachd eigin a bhi anns a’ ghnothuch.” Cha ’n eil’ cha ’n eil. Tha làn fhios agam cia mar thachair e. Tha ’n slaightire sin, Domhnull-nan-siolachan, a’ reic an aon uisge-beatha a’s truaillidhe a dh’ òl mac duine riamh—uisge-beatha a bheireadh air duine gniomh tàmailteach sam bith a dheanamh. Is fada bho’n thuirt mi gu’n robh e truaillidh gu leòr a thoirt air duine goid, agus a nis tha dearbhadh agam air!” agus thòisich an seann duine bochd air sileadh nan deur. “Na bi ad leanabh,” arsa ’bhean agus i a’ tiormachadh a dheòir; “tog ort, glac misneach, agus rach an taobh a tha Domhnull-nan-siolachan agus abair ris nach robh anns a’ ghnothuch air fad ach feala-dhà. Rach agus fosail am mòd agus cha chluinn thu tuilleadh uime.” Ghabh e comhairle a mhnatha, dh’ fhalbh e, ’s cha robh e duilich dha cùisean a chur ri Domhnull nan siolachan, oir cha’n e mhàin gu robh cliù a bhreitheamh, mar thigéadh d’ a leithid, os cionn amharuis, ach bha forais aig Domhnull mu’n chleas a rinn na seòid air an oidhche roimhe. Ghabh am breitheamh ’àite-suidhe anns a mhòd; ach thug daoine an aire gu’n robh e fo smalan agus fo bhuaireas eigin, agus gu’n robh ’inntinn an drást ’sa rithist a’ seachran air falbh bho’n chùis a bhiodh air a bheulaobh. Cha robh e idir cho deas agus cho soilleir ’na bheachdan ’sa b’ àbhaist da. An uair a bha obair a mhòid a’ tarruing gu crìch, chaidh coltas duine uilc, aingidh, a thoirt m’a choinneamh air son meirle. An uair a leugh cléireach na cùirte an sgriobhrdh-casaid, chuir a a cheisd ris a’ chiomach bhochd—“Am bheil thu ciontach, no neo-chìontach?” “Ciontach—ach air mhisg,” fhreagair am priosanach. “Ciod a tha e ’g ràdh?” thuirt am breitheamh, ’s e ’na leth thura-chadal anns a’ chathair. “Tha e ’g aideachadh a chionta ach ag ràdh gu’n robh an daoraich air,” fhreagair an cléireach. “Ciod a tha sibh a’ cur as leth an duine?” “Tha meirle an-tromaichte” “Cia mar a thachair?” “Ma ’se ur toil e,” ars’ am fear-casaid, “tha sinn a’ cur as leth an duine so gu’n do ghoid e suim mhór airgid á tigh-òsda Dhòmhnuill-nan-siolachan.” “Seadh, agus ciod a tha e ’g ràdh?” “Tha e ag aideachadh a chionta, ach ag iarraidh gu’n gabhar a leisgeul a chionn gu’n robh an deoch air.” Mhosgail am breitheamh suas aig cluinntinn so. “Ciontach—ach air mhisg! Is neònach an dòigh thagraidh sin. A dhuin òig, tha thu cinnteach gu’n robh thu air mhisg?” “Tha le ’r cead.” “Agus c’ ait’ ad d’ fhuair thu an deoch?” “Aig Domhnull-nan-siolachan.” “An d’ fhuair thu deur aig duine sam bith eile?” “Cha d’ fhuair diod, le ’r cead.” “Ghabh thu an daorach air a chuid dibhe an toiseach; agus an sin ghoid a’ chuid airgid?” “Direach sin, le ’r cead.” “Fhir-chasaid,” ars’ am breitheamh, “dean de chomhstath dhomhsa a’ chasaid a tha agad an aghaidh an duine so a thoirt air a h-ais. Tha uisge-beatha Dhomhnuill-nan-siolachan dona gu leoir gu thoirt air duine ni tamailteach sam bith a dheanamh. Ghabh mi fhein an daorach dheth an raoir, agus a bheil fhios agad gu ’n do ghoid mi na bha de spainean airgid air a’ bhord! Leighibh mar sgaoil an duine bochd sor Tha am mod a nis thairis.” Eadar. le I. B. O. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. [TD 127] [Vol. 3. No. 16. p. 7] Ros Dheireannach an t-Samhraidh LE TOMAS MOORE. ’S i ros dheireannach samhraihh, le fhéin, si fo blàth. Bho’n a shearg, ’s bhon a d’ fhalbh, a caomh chòmpanich tlàth; Cha ’n eil dithean dhe dhreum, cha’n eil gucag fo ghnùis, Anns a faic i a fiamh,—fhreagras osnaich a chùis. Cha’n fhag mi thu cianail, ma’s searg thu gun bhuain, Bho’n a chaideal na gaoleach, nam measg sa dean suain; Ach sgapidh mi càoimhneil, ann sa ghàradh tha fas, Mo bhlàth measg na màighdean, gun chubhradh chaidh bàs. ’S mi gu’n deanadh da leantin, ’n uair chrioneas an dàimh, ’N uair theid seudan a chàirdeis a’s fàinntean a ghràidh;— Chridhean fireantach, seachta—’s gach càomh, ’s gach sonn,— Co e dh’fhuireadh na aonair, ann a saoghal cho lòm? Eadar. le MURCHADH MAC RATH, Ottawa. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR;—Leugh mi litir “Làimh Làidir” anns an àireamh mu dheireadh a fhuair mi de MHAC-TALLA, agus tha mi a’ cur leis anns na h-uile facal a tha e ag ràdh. Tha e soilleir gu leòr nach téid aig MACTALLA air a’ ghnothuch fhearail a ghabh e os làimh a ghiùlan air aghaidh mur eil daoine ann a tha comasach air a’ Ghàidhlig a’ leughadh; uime sin, is còir do leughadairean a’ phaipeir, ma tha gaol aca dha, agus ma tha suim aca dhiubh féin, MAC-TALLA a chumail suas, agus aig an àm cheudna orra féin fhàgail aig an siol, le a bhi cuimhneachan a’ teagasg an cànain dhaibh. Tha mi cinnteach nach bu toil leinn na’n rachamaid air diochuimhn, air ar dubhadh as á measg nan cinneach, ach ciamar a sheachnas sinn an staid thruagh, dhìmeasach sin, mur fàg sinn a’Ghàidhlig aig a chloinn chum ’s “gu’m bi eolas aig na pàisdean glic air an aithrichean féin.” Ma tha dad a dhìth òirnn, feumaidh sinn pàigheadh air a shon, agus mar sin leis a’ Ghàidhlig. Na’n cuireadh Gàidheil Bhaddeck no Shidni suas comunn (mur eil aon aca cheana) a bheireadh duais mhath a thoirt do na maighstirean-sgoile a theagaisgeadh an àireamh bu mhò de’n óigridh, agus beagan misneachaidh a thoirt do na sgoilearan iad féin, cha’n eil teagamh agam nach fhaigheabh iad moran a thòisicheadh air ionnsachadh gun dàil. Buaidh us piseach air a’ Ghàidhlig, agus air MAC-TALLA, an caraid a’s fhear a th’ aice! Ur caraide dìleas, 4, 10, ’94. IAIN S. MACAOIDH. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00 Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deanta air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ro taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 128] [Vol. 3. No. 16. p. 8] Bho Chabar-Feidh. ’N uair a bha mi sgriobhadh thugaibh air an t-seachduinn a chaidh seachad bha mi ’n duil gu’n rachadh agam air facal no dha a radh mu dheibhinn litir “Laimh Laidir” ach cha do cheadaich uine domh. Tha na tha e ag radh mu theagasg na h-oigridh airidh air ar deagh aire. Faodaidh Gàidheil Chanada rabhadh a ghabhail anns a’ chuis so bho Ghàidhealtachd na h-Alba. Is aithne dhomh féin ficheadan theaghlaichean anns nach cluinnear facal Gàidhlig ach gle anaminic ged is i a’ Ghàidhlig moran is fearr a th’aig na parantan na ’Bheurla. Cha’n ’eil uiread de chiall aig a ’chlann iad fein ’s a thuigeas gu’m beil iad a deanamh dearnad air ni a bhitheadh na bhuannachd agus na thoil-inntinn dhaibh ’s na làibhibh ri teachd, ach thig là a dh’fhosglas an sùilean, agus an sin cha chreid mi gu m beannaich iad am pàrantan air son an dearmad a rinn iad air an dleasnas. Tha mi ’tuigsinn nach d’ thàinig Canada gu bhi cho dona ri so, ach ma ’s miann leinn ar cainnt a chumail da-rìreadh beò, cha’n fhoghainn a bhi ’g a labhairt a mhàin, feumaidh a litreachas a bhi air a chumail suas aig an àm cheudna. Chum so a dheanamh, feumaidh sluagh a bhi comasach air leubhadh agus a sgriobhadh, agus is e an aon dòigh anns am faod so a bhi air a thoirt mu’n cuairt i bhi fhir a teagasg anns na sgoiltibh. Cha ruig neach sam bith a leas a smuaineachach gu ’n cuir teagasg na Gàidhlig éis sam bith air a’ chloinn bho ionnsachadh gach ni feumail eile. ’Sann a tha na h-uile maighstir-sgoile anns a’ Gháidhealtachd a tha ’ga teagasg ag innseadh dhuinn gu’m beil iad ’ga faotainn ro fheumail ann a bhi ’toirt air a’ chloinn nithe eile thuigsinn. Agus neach sam bith leis am miann cànain eile ionnsachadh—a’ chainnt Fhrangach, Ghearmailteach, Spàinteach, no cainnt sam bith eile—bithidh a’ Ghàidhlig ’na cobhair mhòr dhaibh. Is uarainn domh féin m’ fhacal a thoirt air a so. Na’n rachadh agaibh air a faotainn a steach do na sgoiltibh, nach bu bhriagha an latha sin do MHAC-TALLA. Ann am beagan bhliadhnachan rachadh na miltean a chur ri luchd-leubhaidh agus cha bhitheadh gainne sgriobhadairean air; thigeadh naidheachdan a steach o gach cearn agus cha bhitheadh e air a chrubachadh mar tha e an drasd. Tha mi ’n docaas gu’n teid an gnothach so a ghabhail os laimh gun dail agus tha mi’ guidhe gach uile shoirbheachadh le neach iam bith aig am bi urrad a mhisneachd ’s ni tòiseachadh. Chunnaic mi an t-oran so a leanas ann am paipeir Albannach an la roimhe agus smuainich mi gu ’m b’ fhiach e àite fhaotainn ann am MAC-TALLA. Rinneadh e le Mhr. Padruig Camshron a tha ’n dràsd an cearn fad às de Africa far nach ’eil duine geal ach e fein. BEANNACHD LEIS NA BEANNTAN Tha m’ intinn lionta le curam cianal ’S mi air mo phianadh le pian nach gann, Oir ’s trom a tha mi ’s mi caoidh gu craiteach, Do bhrigh bhi fàgail Tir ard nam Beann. Gu dubhach tuirseach ri tionndadh culthaobh, Ri tir mo dhùthcha ’bu mhuirneach leam, Gu tirean ceine fodh theas na greine ’Ni m’ fheoil a’ cheusadh le deuchainn throm. A’ ceainnt ’bu bhinn leam le tlachd a ’chlu-inntinn ’S ’bu tric a sheinn mi gun chuimhn’ air bron Cha chluinn mo clùasan ’s na cearnaibh truagha ’S an tric is dual dhomh bhi tinn fodh leon; An aite mànran guth-cuin mo mhathar ’Se chluinn mi cànran gun suim gun bhridh, Bho ghràisge neonach cho dubh ri ròcais, ’S nach ionnan comhradh ro ceol mo chridh. Bu tric a dhirich mi ard nam beanntan, ’S tre choil nan gleanntan bu tric a thriall, ’S gu’m b’ aotrom deonach mo cheum air mòinteach, ’Nam bhallach gòrach ’s mi òg gun chiall; Ach ’s ann is eigin dhomh nis an treigsinn, Gum fhios am feud mise chaoidh gu brath, Toirt sealladh suile feadh fonn na dhutcha, ’Bu mhoir bu mhuirneach leam cliu no cach. Tha ’n long ri seòladh gu grinn fodh ’comhdach, Bho dhùthaich m’ eolais ri cumail curs’ ’S tha ’ghaoth ri seideadh, ’s na tuinn aig eiridh, ’S tha mise deurach le meud mo thùrs, ’S gur beag an t-ioghnadh mi féin bhi cianail An am bhi triall dhomh tha ard nan tonn, Le cudtrom inntinn bho thir mo shinnsear, Bu ghuirme frithean ’s bu riomhaich fonn. Mo chairdean ghràdhach, ceud soraidh slan leibh, Ceud soraidh slan leis gach ribhinn bhinn, Ri ’n taobh a b’ aill leam bhi cluith ’sa mànran, ’S a riamh a b’àbhaist bhi bàigheal, grinn; Gach bodach aosda, gach cailleach chaoimhneil, Gach oigeir aoidheil, slan leibh gu leir, Oir ’s eigin fagail gach gleann a b’fhear leam Os ceann gach àite fodh ard nan speur. Ach ged is falbh dhomh bho chrìochan Albainn, Air leam nach searg-bhuam air muir no tir, An gaol gun gho’ thug mi dhùthaich m’ òige. ’S cho fad ’s beo mi ’bhios daigionn fior; ’S ged dh’ iathadh buaireas no bàs mu ’n cuairt dhiom, ’S ged bhiodh an cruaidh-fhortan goirt g’ am chlaoidh, Bidh mise dìleas do thir mo shinnsear, Le gaol nach diobair mi fein a chaoidh. CABAR FEIDH. POSAIDHEAN. Aig New Victoria, Oct. 9mh. Fearchar Mac Isaic us Anna Chamaran. Air an Eilean Mhor, an 9mh. la de dh’ October, leis an Urr. D. Drummond, I. A. Friseal, as an Acarsaid Mhòr, us Ceat Nic Leòid, as a Bhanca Mhòr. Aig Pictou, air an 10mh la de dh’ October, leis an Urr. A. Robertson, an t-Urr A. I. Domhnullach, Baile-nan Gall, us Catriona F. Robley, Pictou. Ann am Boston, air an 9mh. la de dh’ October, leis an Urr. S. C. Gunn, Iain Mac-a-Phi, á Baddeck, us Iseabail Nic Aidh, á Loch Ainslie. Aig Braidalbainn, E. P. I., air a cheud la de dh’ October, leis an Urr. C. Caimbeul, Iain A. Mac Coinnich ri Mairearad Anna, nighean Eoghain ’Ic Leòid. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 1894. [TD 129] [Vol. 3. No. 17. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 27, 1894. No. 17. MAIRI AGUS AN T-ADMIRAL. Is cleachda leis na Goill a bhi ri fochaid air na Gàidheil bhochd’, air son cho aineolach, maol-theangach ’s a gheibhear iad an coitcheannas an uair a dh’ fheuchas iad ris a’ Bheurla; agus, air uairibh, cha ’n ’eil teagamh nach bi iad a’ deanadh thuislidhean agus mhearachdan gle neònach; ach dona ’s mar tha na Goill, cha ’n ’eil daoinc air bith ann a tha ni’s toithiche air a’ bhi a labhairt deth a chéile, agus ri fala-dhà neo-lochdach de gach seorsa, na na Gàidheil iad féin. Tha an sgeulachd bheag a leanas glé chumanta ann an cuid de cheàrnan de Earraghàidheal agus theagamh gu’n toir i gàire air bhur luchd-leughaidh. Cha ’n ’eil mise ’dol a ràdh co dhiù a tha i fìor no nach ’eil; ach cia mar ’s am bith a bhàtar ’s an àm a dh’ fhalbh, is cinnteach mi nach faightear ann an ceàrn d’ an Ghàidhealtachd an diugh, aon fhear no té cho fada air an ais ’s nach bitheadh fios aca co dhiù ’bu bheathach no duine a bha ann an Admiral. Bha aig boireannach deanadach, glic, aon uair, tabhartas beag de uibhean ri chur a dh’ionnsnidh an Tigh-Mhòir. Air dhith an cur a suas gu téaruinte ann am bascaid ghairm i an searbhanta, caileag òg gum mhòran de eòlas an t-saoghail, agus dh’ earailich is sheòl i dhi cia mar a ghluaiseadh i i-féin aig an Tigh-Mhòr. “Is bitheanta,” ars’ ise, “leis an Admiral e féin a bhi ’gabhail a shràid fo sgàil nan craobh anns an rathad-dhìomhair eadar an Tigh Mòr agus an geata, agus ma thachras e ort feuch gu’m bi thu fìor mhodhail ’s gu ’n toir thu a’ h-uile urram da. Ma dh’ fheòraicheas e dhiot co as a tha thu, no c’àite am bheil thu ’dol, no ciod a tha agad, ìnnsidh tu dha gu pongail, ’s bi cinnteach gu ’n abair thu, Le ’r cead, aig deireadh gach freagairt a bheir thu dha. Aithnichidh tu an t-Admiral cho luata ’s a chì thu e le cheum flathail, àrd; agus is àbhaist da sràid-lmeachd am bitheantas le ’churrachd-oidhche dearg air mar chòmhdach cinn, agus a nis, a Mhàiri, bi ’falbh agus mo bheannachd a’ d’ chuideachd?” Thog a’ chaileag bhochd orra gu sùrdail, làn de na comhairlean a fhuair i; ràinig i an geata mòr ’s ghabh i a stigh. Air dhi a bhi ’dlùthachadh air an tigh faicidh i coilaach-Frangach briagh a’ steòcadh a nuas ’n a coinneamh cho moiteil ’s ged a bu leis féin an oighreachd—earball sgaoilte ’se ’cur smùid as an talamh le bàrr a sgiathan—“Ma tha Admiral ’s an dùthaich,” thuirt i rithe féin, “is e so e. Cò nach faodadh aithneachadh le ’cheum mórail, uasal, ’s mar a tha e a’ dlùthchadh orm, comharraichidh mi gu soilleir a churrachd dearg ceart mar a thuirt mo bhana-mhaigastir. Ach is mithich a bhi bogadh nan gad, so e ’tighinn!” Bhog an coileach a cheann mar fhior dhuin’ uasal ’s chuir e fàilte chridheil oirre. Arsa Màiri, agus i aig a’ cheart àm a’ deanamh a beic, “Tha mi à Lismòr, le ’r cead, le ’r cead.” Thug an coileach an dara miolaran as.—“Tha mi ’dol d’ an Tigh-Mhòr, le ’r cead, le ’r cead.” An treas uair thug e guileag sùnndach as, agus fhreagair Màiri, “Uibhean chearcan is gheadh, le ’r aad le ’r cead.” Le so leig e seachad i. Rinn i a gnothach ’s till i gun fhaicinn tuillidh. An uair a ràinig i dhachaidh dh’ fheòraich a bana-mhaigstir cia mar a chaidh dhi. “Chaidh gu mhath ’s gu ro mhath.” “Am faca tu an t-Admiral?” “Is mi a chunnaic,—an t-uasal grinn, cùirteil, agus fhreasgair mi a’ h-uile ceisd a chuir e orm, ged is i Frangats a labhair e!” MAC MHARCUIS, ’s Gaidheal. THA moran uisge air sileadh ann am mor-roinn Chuibeic o chionn ghoirid. Tha moran de ua h-aibhnichean a cur thairis. Rinneadh call mor le tuilteau ann an Cuibeic a’s t-earrach s’a chaidh. Eaglaisean na h-Alba. Tha stri mhor eadar na h-Eaglaisean ann an Alba. Tha ’n Eaglais Shaor ’s an Eaglais Stéidhichte car mu’n aon neart, agus cha’n eil iad idir tuilleadh ’us càirdeil ri chèile. Tha ’n àireamh a’s mò de mhuinntir na h-Eaglais Shaoir dhe’n bharail gu’m bu chòir an Eaglais Stéidhichte fhuasgladh o’n stàit, mar sin ’ga fàgail air an aon bhonn ris an Eaglais Shaoir, ’s gu’m biodh a teachdairean a faotainn an teachd-an-tir o shaor-thabhartasan an t-sluaigh. Tha ’n àireamh as mò de mhuinntir na h-Eaglais Stéidhichte, mar bu choltach, an aghaidh so. Ach tha moran anns an Eaglais Shaoir nach eil a faicinn iomchuidh an Eaglais eile a dhi-stèidheachada, agus air an laimh eile, tha moran anns an Eaglais Stéidhichte fhèin a creidsinn gu’m biodh e na b’fhearr dhi a bhi frasgailte bho’n Stàit. Cha’n eil taobh seach taobh aona-ghuthach. Bha Gladstone us Rosebery, toiseach na bliadhna a’ cur rompa, maille ri moran de nithean eile, gu’n di-stéidhichead iad an Eaglais, ach b’ fheudar do Ghladstone an dreuchd a bh’ aige cho fad a’ leigeil dheth, agus ged tha Rosebery na àite, tha e lag-làmhach, agus cha’n eil cha mhor iomradh air di-stéidheachadh an dràsd idir, agus tha e soilleir gu leòr nach bi, gus am bi iomadh ni eile air a thoirt air adhart ’s air a chur ceart. Cha’n eil a bheag ri radh a thaobh a’ chogaidh air an t-seachdain so. Tha na h-Iapanich a’ cur rompa ’n cogadh a leantùinn, agus a réir sgeòil, tha na Sinich dhe’n aon rùn. Tha gach taobh a’ cumail a mach gu bheil an ceart acasan, ’s gu bheil an eucoir gu h-iomlan air taobh caaich. Cha’n eil ni a’s fheaar na leigeil leotha. Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar. [TD 130] [Vol. 3. No. 17. p. 2] TURAS AN TAILLEAR MHOIR DO GHLASCHU. AIR A THOIRT A BHAN BHO BHIAL FHEIN, FACAL AIR AN FHACAL. (Air a leanntuinn.) “Biodh sin mar sin mata,” arsa Domhnull, “ach cum gle shamhach.” “Feumaidh sinn luchd na ’m poitean a sheachnadh, air eagal gu ’n dean iad greim ort air son an leir-sgrios a chuir thu air iodhalan Mhic Leoid.” “Na leig am Freasdal!” “O, Mhoir a Mhoir? mo chiad run ’s mo ghradh, deireanach, mo caairt-iuil, ’s mo reul stiuraidh, am b’ eil e ’n dan dhomh, aon uair fathast t-fhaicinn a dearsadh ann an iarmailt m’ arois, no am faigh mi bas ann an tir choimheach, gun ghal, gun onar, gun mharbhran!” “Tha mi creidsinn gur ceothach an iarmailt a th’ ann a sin Eachuinn, ’s gun teagamh s neonach an ionad dearsaidh an Spardan. ’Saoil thu nach bi an Eclipse a tigh’nn gu math tric orra na flaitheas sin?” arsa Domhnull. Rainig sgeig Dhomhnuill cho domhainn mi, a dhuine, gu ’n d’ thubhairt mi ris—“Amadain! Na ’n robh cuibhrionn de spiorad t-athair air tuiteam ortsa, cha b’ ann a fanaid air Buaidh na Bardachd a bhiodh tu.” “Tha mi ’g iarraidh fathamas ort Eachuinn,” ars’ esan. “Tha fios agam, gu ’m b’eil thu na do dheagh fhidhleir, ach cha d’ thainig e riamh a staigh orm gun robh na Ceolraidh a spionagraich ort.” “Co iad sin, na Ceolraidh! Ma ’s e boirionnaich a tha thu ’ciallachadh; tha mise ’cantainn riut, nach robh thu cho fada dochair bho ruga’ tu. Cha do chuir i cir na cuailean a ghabhadh oirre spionag a thoirt ormsa, ach mo bhean phosda—Mo Mhor bheag fhin—Blath nan Oighean ’s barra-gug na muathan taighe. Mo Chreach! Mo Chreach! Co a sheinneas dhuit an t-oran, Bhiodh solasach tursach; No chluicheas dhuit gu h-eolach; Puirt cheolmhor do dhucha. ’S do chruit chiuil ’us d’ ailleagan ’na fhogarach ann an tir chein?” Thug Domhnull an sin fead as, agus thoisich e air cunntadh nan rionnagan. Bha ’n t-suipear aig mo phuithair cheile deis an am dhuinn ruighinn: ’s an deigh dhuinn tacan a thoirt air seanachas, ghabh Domhnull na Leabhraichean, ’s chaidh sinn a laidhe. Ach cha b’ i ’n fhois a fhuair Eachuinn bochd. ’An deigh dhomh a bhi meadhrachadh ’s ag osnaich, a carachadh ’s a tionndadh, re ’chuid a b’ fhaide dhe ’n oidhche, thainig nadur de neo-thalbhaidheachd orm. Cha robh mi na mo chadal no na mo dhuisg, ach mar gun canadh tu, leith ma leith, eadar an da staid. Cha ’n urrainn dhomh a chantainn gun robh mi ’bruadairachadh, ’s gidheadh, bha mi faicinn seallaidhean—’s ann a bha mi ’taibhseachd, a dhuine. Ma ’sa fior dhomh gun robh mi air mo thogail suas eadar an talamh ’s an adhar, ’s gu ’m faca mi ’n cuan air a bhreacadh le luingeas eilthirich. Cuid dhiu ’dol na mirean air na creagan, cuid ga ’n ruith sios le soithirh smuid gun ainm, ’s cuid eile ’dol na ’n teine. ’An deigh sin thainig tir mo dhuthchais fa mo chomhair, agus ann an ait’ arbhar, ’s e ’bha air gach raon, iomar, agus leathad barr dheanntagan agus chuiseagan-ruadha. Bha feigh, caoraich mhaola ’s cearean fraoich’, a leubhadh ’s a mineachadh. “Achd nan Uachdrainn,” air gach cnoc, gleann, ’us craobh uaine. Thainig sgail eadar mi ’s an sealladh anacneasda so, agus ann an tionndadh na bois, ’s ann a fhuair mi mifhin na mo lasguire de ghill’ og, air Airidh Clais-nan-Cruithnich* Mo chliabh na lasar, ’s mi ’taomadh a mach tabhartas a chridhe, aig altair Bhenuis. Mor a briseadh a mach ’an ur-bhlath a h-oigheachd—a falt trom dualach, air shnuadh dol fodha na greine, na chuartagan miteagach sios a cul—a muinneal sinnteach ban, a tilgeadh gathana soluis—a gairdeana caoin-gheal, trid-shoillse, saor bho ollainn sid na anard grinn, bho h-uileanain sios—a ceann crom, ’s i faisgeadh sinean “Stabhaig”—torman bodhar tla aig a mheadar ’na sguird, ’s i ’seinn an orain so, air fonn—“Bu chaomh leam ’bhi mire, ri nighinn donn og.” O, seas a bho riabhach, Leig dhiot a bhi fiadhaich. O seas a bho riabhach; ’S e ’s ciataich ’bhi foil. O seas a bho riabhach; Tha pailteas ’s a ciliabh dhuit; Thoir as mar is miann leat. ’S bi fialaidh ri Mor. Ge sleamhainn do bhian-sa, Ge sultmhor do chiliathaich; Chaidh geamhradh nan siantan, Car dian air do dheo. ’N uair ’bha uireasbhuidh biadh ort, ’S a chaoile ga d’ fhiachainn; Thugadh borrach ’us sliabh dhut, Bho na Ghriannan le Mor. O, Seas, &c. Dean seasamh gu suairce, ’S leig sruthanan fuaimneach, ’An cuman na gruagaich, Thog thu suas air a meoir. Cuir cop air, ’s craobh aird, ’S theid thu fein agus “Blarag,” A dh’ imlich le cairdeas, Gu sail Beinn-nan-sgorr. O, Seas, &c. Bi’dh Beiti ’us Seonaid; Bidh Eilidh ’us Morag, ’S na bruachagan boidheach, Ri ceol ’measg nam fluo. Thig Uilleam ’us Domhnull, Thig Eachunn ’us Eobhann, ’S bi’dh Subhailc ’us Solas Dian fhogadh as ur. O, Seas, &c. Bi’dh ’n uiseag ag eiridh, Sheinn eallaidh nan speur dhuinn: Dol fodha na greine Cuir speis air a chuis. Bi’dh Clarsair nan geugan, ’Seirm binneas le eibhneas, ’S ath-shoillseanan Bhenuis Cuir sgeimh air gach gnuis. O, Seas, etc. Bi’dh seilean a canran Am boineid gach slainnt-lus: Bi’dh torman nan gair-cas, Bi’dh bairich nam bo, Mactalla nan aird Mar ri cagar nam faillean, Ag aithris—“’s i ’n airidh Priomh pharras gach beo.” O, Seas, etc. Bi’dh briodal, bi’dh manran ’S na badanan blatha. Co mhuthachadh graidh. Chuireas slainnt an cridh’ og. Tha iomlanachd Naduir, Lan-fhoillsicht’ mu’n airidh. Nis’ lian thu a chlaraig— Triseo Stabhag! Theo, theo! Chaill mi sealladh de Mhor ’s de ’n airidh, ’s chaidh m’ iomchair air sgiathan a chiuil gu mullach Suil-Bheinn. Dhealaich mifhin ’s an oige, solas agus muirn, gun fhaireachadh dhomh. Air dhomh a bhi ’n trom smuainn ’s mo thaic air mo mhaide, chuala mi fathram am measg nan neoil, agus air sealltainn an airde dhomh, chunnaic mi bith a siubhal troimh ’n iarmailt, a giubhlan bratach nuadh nan tri fillidh, nan tri dathan ’s nan tri gathan, sgaoillt’ ri crann iaruinn. Chuala mi ’n sin guth a’ gairm rium—“Eachuinn Mhoir, ’ic ‘Urch’ ’c’onnuill!” Mifhin—“Tha mis’ ’an so!” AN GUTH.—Ciod a ta thu ’faicinn?” MIFHIN.—“Bith a siubhal troimh ’n odhair a’ giubhlan bratach nuadh nan tri fillidh, nan tri dathan ’s nan tri gathan, sgaoillt’ ri crann.” AN GUTH.—“’S ciod a ta thu tuig- *The Valley of the Picts. [TD 131] [Vol. 3. No. 17. p. 3] sinn leis an t-sealladh sin?” MIFHIN.—“Dh’fheumadh mo Thuigs a bhi air a soillearachadh ma’s tuiginn a bheag dhe na tha mi ’faicinn!” AN GUTH.—“Eisd, mata, ’s e m’ bith a ta ’giubhlan na Brataich, ‘Beachd an t-shluaigh.’ Tha bhratach ’na h-iomlanachd a ciallachadh Saorsa Bhuan a phobuil. Tha tri fillidh na brataich a ciallachadh, An Gaidheal, An t-Ard-Alabnnach, agus an Reitiche Gaidhealach aonaicht’ ann an deagh ghniomh. Tba tri dathan na brataich—Dubh, Gorm ’us Geal a ciallachadh, an t-am dubh dorch’ a chaidh seachad, an t-am measgta ’tha lathair, agus an t-am soillear eolasach a tha tighinn. Tha tri gathan na brataich a ciallachadh, Coir dhligheach nan Gaidheil, Ath-bheothadhadh spioradan bhur ’n Athraiche, agus Ceartas bithbhuan. ’An sin sheall mi ’bhan air aghaidh na talbhainn, agus chunnaic mi armailt mhor shluaigh, air an roinn na ’n tri buidheanaibh. Bha aon bhuidhean a gearradh sios nan lus, a carnadh nan clach ’s a reiteach nan roidean. Buidhean eile ’ruamhair, a cuir sil ’s a racadh, ’s an triamh buidhean a togail nam bearnan, a compairteachadh eolais agus a stiuràdh barailean fallaiseach. ’Chunnaic mi an deigh sin, seann duine sgiamhach, ’na shuidh’ air bruach aibhne; fhiasag fhinealt’, a bha air dhreach na cadaich, sgaoillt a bhan air a bhroilleach; an t-aile ’mire troimh fhalt min, a bha tuiteam na chuachagan airgeadach air a ghuailibh—clarsach lathaibh eile na lamh, ’s e cluich oirre mar nach cuala mi riamh. A ghuth binn, reidh, mar bhriodal an t-samhraidh ag eiridh ’s a laidh’ air uchd an aile, agus cha ’n urrainn mi ceann ni’s fhearr a chuir air m’ astair do Ghlascho, nan t-oran a sheinn e, d’ a rinn a leithid de ghreim air m inntinn ’s nach d’ thig an la ’leigeas mi di-chuimhn’ air, a ’thoirt dhuit ’n a iomlanachd. A chlann mo ghaoil! a chlann mo dheoir? Iarmad sliochd nan laoch a bha, Bha ’m aoìbhneas brist’ os ceann nan neoil, ’S mo chlann ’an geimhlibh daors’ an sas. Phairtich mi ’n ’ur eiginn chruaidh Bho’n am chaidh m’ fhuasgladh aig a bhas: ’S bho n’ sgaradh sibhs’ ’us Tearlach Ruadh, Gach bann ’us duall ni’s cruaidh’ a fas. Duisg—mo chlarsach as do shuainn— Clisgeadh aintigh’rneas roimh d’ fhuaim. Gach coir ’us dligh’ air uisg ’us beinn, Bha aig ’ar sìnnseara bho thus, Sheilbhich coigrich ann am foill, ’Us stamb air statunn Righ nan duil. Ged’ bha bhur beath’ le nadur luaight’ Mu ghlac na’m fuaran bruaich nan cno: Sgiurs iad bhur coluinnean thar chuan ’S bhur spioraid gluas’ d ’an glinn a cheo. Duisg—mo chlarsach—misnich trein— Gairm mo chlann a duthcha cein! Gach oibheum, uireasbhuidh ’us turs, A dh’ fhuilig sibh bho fhoirneirt dhaoidh; Chaidh troimheams’ uil’ an Talla chiuil ’S cha chaisgeadh seirm na’n duil mo chaoidh. Bhur bailtean chunnaic mi ’dol fas; Bhur taighean faoilidh nan dearg chaoir: Na banntraichean ag iarraidh dail, ’S am baillidh maoidhead ‘baigh’ a mhaoir. Duisg—mo chlarsach agus nochd, Cuis nam banntraichean ’s nam bochd! Tha Eolas ’s nis a geigibh sgaoìllt’; Na ’n dubharachd tha ’n aois a tamh; An oige ’g ith’ dhe ’n toradh chaoin, ’S a bhuil a mach, am braomaibh slainnt’. Tha Ghaidhlig’, shaoillt’, ’bha fo na buiun, A nis a togail cinn le rath: Tha gineal Dhiarmaid agus Fhinn, A nochdadh soillsean cloinn nam flath. Duisg ’s a chlann, mo chlarsach bhinn, Uaill an athrichean ri m’ linn! Dhuisg mo chlarsach as a suainn; Mhislich iarmad sliochd nan sonn. Sheirm mo chlarsach saorsa bhuan, Bho bhaile Chluaidh, gu Stroma thonn. Dhuisg mo chlarsach, uaill mo lo Air cnocaibh fraoich ’s an duthcha cein. Dhuisg mo chlarsach—theich na neoil, ’S tha mais ’us ciuin an gorm nan speur. Mo chlarsach dhuisg gu saith mo chri ’Us triallaidh sgail’ a bhaird ’an sith. RUDHACH. Bha gille òg ann roimh so a bhagh mòr-thlachd bhi cluich le teinne, agus a dhiult an droch chleachd so a leigeil deth, ged fhuair e gu tric achmhasan air a shon, Air là àraidh, ’nuair chaidh a mhàthair a mach a cheannach ni éigin, shoillsich e bioran, agus air dha bhi ’g iomairt leis, ghlac eudach teine, agus las e suas mu’n cuairt da. Ghlaodh e gu h-àrd air son còmhnaidh, ach mu’n d’thàinig cabhar d’a ionnsuidh bha e air a losgadh co mòr ’s gu’n d’ fhuair e bàs beagan an dèigh sin. Is còir d’a so clann òg a theagasg gun bhi cluich le teine,—ni a ta ’na sheirbhiseach maith, ach ’na dhroch mhaighstir; agus gun bhi eas-umhal do chomhairle am màthar, a ta gabhail mór chùram mu’n timchioll. THATAR an deigh meinnean beaait each de dh’ òr fhaighinn ann an Cooluardie ceàgrna de dh’ Astralia air nach robh iomradh sam bith roimhe so. Tha sluagh a dòrtach ann as gach cearna de dh’ Astralia fhéin ’s á New Zealand. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 132] [Vol. 3. No. 17. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 27, 1894. Cha’n eil e fior, mar tha cuid ag ràdh, gu bheil anns an linn so na bochdan a fàs na’s bochda agus na beairtich a’ fàs na’s beairtiche. Cha robh linn riamh anns an robh nithean matha na beatha so air an roinn cho cothromach ’sa tha iad aig a cheart àm so. Tha iomadh goireas aig na daoine bochda ’san latha ’n diugh nach robh aig na daoine bu bheairtiche anns na linntean a chaidh seachad. THA gach latha a tha dol seabhad a toirt ’g ar n-ionnsuidh sgeul o leaba-bàis Sàr Ruisia. Tha ’n cogadh, car ùine bheag, air a dhol à cuimhne, ’s tha iadsan a bha deanamh fàisneachd dha thaobh air sgur, ’sa toirt an aire gu leir do Ruisia’ agus a feuchainn ri thuigsinn ciod a thacharas an deigh bàis an Impire, ni nach eil a nis fad as. Tha e a sior dhol na’s miosa, agus cha ’n urainn dha bhi beò ach ùine ghoirid. Tha an luchd-dreuchad ann an St. Petersburg a deanamh gach ullachadh a dh’ fhaodas iad, chum ’s gu’m bi ’n Iompaireachd mhor deiseil aig àm sam bith air son bàis a fir-riaghlaidh, agus air son ’oighre chur air a’ chathair rioghail ’na àite. Tha darra mac an Iompaire mar an cendna tinn; tha e ann an trom chaitheamh ’s cha’n eil fhios aig na lighichean cò a’s luaithe dh’fhalbhas am mac no’n t-athair. Cum Minard’s Liniment ’san tigh Gun ni ach Airgiod. Bu mhiann leinn uile bhi sona, agus tha sinn a ghnàth a’ sireadh mi-eigin a tha sinn a saoilsinn ni sinn sona; ach ma’s fhiach e bhi ’ga shireadh, feumaidh an sonas a bheir e dhuinn a bhi, cha’n ann ’na dheàrrsadh goirid, ach na thaitneas maireannach. Bu mhuladach an t-aideachadh a rinn bean-uasal shaoibhir ann an America.—“An uair a bha mi òg, bha na h-uile ni agam ach airgiod, ach an diugh, ’s mi air fàs aosda, tha mi gun nì ach airgiod; agus ciod a ni e air mo shon?” Air an dòigh cheudna labhair té a chuir seachad mòran de làithean am measg greadhnachas cùirt rioghail a’ cheud Napoleon,—“Ah,” ars ise, “bha tigh maiseach agam, bha diamonds luchmhor agam, dh’ fhaodainn mo dheise riomhach atharrachadh na h-uile latha, bha àireamh thaghte de chàirdean a’ igabhail am bidh aig mo bhòrd, bha gach tigh-cluich fosgailte dhomh, cha robh fleadh aig uaislean cheanna-bhaile na Frainge dh’ ionnsuidh nach d’ fhuair mi cuireadh, ach gidheadh, am meadhon sin uile, bha neul dorcha an crochadh as mo cheann, bha eagal diomhair a thaobh na bha ri teachd a’ gabhail còmhnuidh annam, s ’ga mo chnàmh o’n taobh a stigh.”—Dr. T. Davidson Tha briathra ’n an nithibh beaga ach is cruaidh a bhuaileas iad, agus is goirt a leonas iad, an uair a bruchdas iad a mach a’ beul an tuaileis. Gnathaichear iad co furasd ’s gu’n di-chiumhnichear na buaidhean agus na cumhachdan foluichte aca. An uair a labhrar iad gu freagarrach, tuitidh iad mar na gathan-greine air la samhraidh, mar an druchd air an lus mhaoth, agus mar an t-uisge tla, a ta ’sileadh gu mall air na raointibh tartmhor; ach an uair a bhras-labhrar iad le nimh agus feirge, tha iad cosmhuil ris an reotha chruaidh, ris na clochaibh-meallain, no ris an doininn sgriosaich a leireas le ’shearbhad, air muir agus tir. ’S ANN ’an Sina tha ’n t-sligh-uisge (canal) a’s mò th’ air an t-saoghal. Tha e ceud thar fhichead mile dh’fhad (2100), agus tha da fhichead baile ’sa h-aon air a bhruachan. Thóisicheadh air a chladhach mu’n bhliadhna 750, A. D., ’s cha do chuireadh crioch air gu ceann shia ceud bliadhna. Minards Liniment air son Loine. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR. Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 133] [Vol. 3. No. 17. p. 5] NAIDHEACHDAN. CHAIDH soitheach-seòlaidh a ghlacadh alg Port Hawkesbury o chionn dha no tri sheachdainean, air son a bhi bristeadh air lagh na cuspuinn, agus tha i ri bhi air a rup air an t-seachdain s’a tighinn. THA muinntir an rathaid-iaruinn a’ cur suas “fensichean” fasgaidh mu’n chuid sin dhe’n rathad a b’ àbhaist a bhi air a dhùnadh leis an t-sneachda ’sna geamhraidhean roimhe. Bidh dòchas againn, uime sin, gu’m bi ’n carbad a’ ruith na’s righailtiche air a’ gheamhradh so ’na b’ àbhaist da. CHAOCHAIL Caiptean Iain Mac Leòid, duine mhuinntir an Eilein Mhoir, ann am Provincetown, Mass., air a 15mh la de’n mhios. Bha e ris an iasgach ’sa seòladh o chionn fhada, agus bha e deanamh a dhachaidh anns a bhail’ ud o chionn àireamh bhliadhnachan. Dh’fhág e bantrach us triuir chloinne. THAINIG àireamh de mhéinneadairean á Belgium gu Sidni an oidhche roimhe, air son a dhol a dh’ obair ’sna méinnein-guail. Thàinig iad ann an droch àm; cha’n fhada nis gus am bi na méinnean a’ sgur a dh’ obair, ’s cha bhi dad aig méinneadairean an àite so fhéin ri dheanamh, gun luaidh air daoine á dùthaich eile. S iongatach cho deiseil ’sa tha ’n saoghal a fàs. Tha muinntir Lunnuinn us Bhreatuinn an diugh ag itheadh feòil nan caorach a bha o chionn beagan us seachdain a’ criomadh an fheòir air réidh-shrathan Mhanitoba, agus am bradan a bha aig an àm cheudna a snàmh anns a chuan chiùin mu chladaichean Cholumbia Bhreatunnach, tha e an diugh ’ga reic air an taobh so dhe’n fhearann, ùr anns na margaidhean, gun uiread ui gràine saluinn a dhol air. CHAIDH ceud ’sa tri deug a bhàthadh aig an iasgach air na Grand Banks air an t-samhradh ’s air an fhoghar am bliadhna, agus bhuinneadh tri fichead ’sa tri deug dhiubh sin do na mor-roinnean iosal so. So bliadhna cho dona a thaobh call beatha ’sa chunnaic na h-iasgairean o chionn fhada. An uiridh cha do chailleadh ach leth-cheud ’sa tri. Bha deich soithichean air an call an uiridh, agus naoi air fhichead am bliadhna. Tha dithis bhraithean a mhuinntir Port Hawkesbury, Ailein agus Iain MacEachuinn, air chall o dheireadh Ogust, ’s cha’n eil teagamh nach eil iad air am bàthadh. Dh’ fhàg Ailein bean us seachdnar chloinne. Is beag fhios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara. BATHADH.—Chaidh duin’ òg do ’m b’ ainm Uilleam Mac-an-Tòisich, a mhuinntir Beinn-a-Mharmoir, a bhàthadh aig an Amhuinn Duibh, faisg air a Bhai ’n Iar, feasgar Di-ciadain air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’fhág e a dhachaidh air son a dhol a mharbhadh thunnagan, agus ’nuair nach do thill e dh’ fhas a chuideachd an-fhoiseil dha thaobh, ’s chaidh iad ’ga iarraidh. Fhuair iad an toiseach am báta faisg air a chladach agus astar beag bhuaithe sin fhuair iad corp an duine bhochd anns an uisge. Bha ’n gunna aige na lamhan ’s greim teann aig air. Tha e doirbh a dheanamh mach cia mar a thachair e dha. THA cuideachd a ghuail a tòiseaceadh air togail laimhrig-guail aig Louisburg, Di-luain s’a tighinn, ’s tha e ri bhi ullamh toiseach an an earraich. Tha e dol a chosg tri fichead us deich mile dollar ($70,000). ’Se Raonull Gillios, as a bhaile so a tha dol ’ga thogail dhaibh. THA sinn air son àireamh luchd-gabhail a phaipeir so a dhùblachadh eadar so ’us Bliadhn’ Ur, ’s cha ’n eil fhios car son nach gabh sin deanamh. Ma chuireas àireamh mhath de ’n luchd-gabhail a th’ againn rompa àireamh de dh’fheadhainn ùra fhaotainn, bidh e deante ann an ùine glè ghoirid. Far am bi toil. bidh gniomh. THA ’n geamhradh a’ tighinn. Tha ’m blàths air falbh, ’s cha bhi dùil againn ri moran dheth tuilleadh gu’n tig an samhradh orinn a rithist. Tha reothaidhean geala ann a nis, cha mhor gach oidhche, ’s cha’n fhada gus am bi an reothadh dubh ann, a chruadhaicheas an talamh ’sa chuireas as do gach ni a tha fàs. Thig an geamhradh, mar a thig gach ni eile, na àm féin, agus ’an àite dhuìnn a bhi gearan air ’sa gabhail eagail roimhe ’s glice dhuinn ullachadh a dheanamh air a shon, agus fhaicinn nach tig e orinn gun fhios duinn. Iadsan a Phaigh. Stephen Mac Neill, Beavers Cove. M. R. Johnstone, Big Pond, (50c.) Ceat Nic Ille-mhaoil, Catalone. Mrs. Matheson, Valley Mills. Iain I. MacAmhlaidh Kennington Cove. T. C. Mac-an-Toisich, Malgawatch, E. C. Mac Aoidh, Domhnull Mac Leoid, Bras d’Or Mor. Lachuinn MacGuaire, Amhuinn Mheadh’ach A. R. Domhnullach. (Gobha) Baddeck. Iain Mac Codrum, Sidni. Lachuinn MacFhionghain, Acarsaid M’garee, Seumas Mac Fhionghain, ($2.00) Raonull Dughallach, Grand Mira, (25c.) Bean D. W. Mac Leoid, Barra, Alba. An t-Urr. I. R. MacLeoid, Three Rivers, Que. Dr. Mac Leoid, Spokane, Wash. A. E. Mac Farlain, D. I. Caimbeul, Hamilton, Ont. Iain D. Mac Gille-bhrath, Ohio, N. S. POSAIDHEAN. Aig New Glasgow. Oct. 13mh la, leis an Urr. R. Domhnullach, Iain B. Siosal Port Hastìngs ’us Mor Shiosal as an aite cheudna. Aig na h-Eileanan Dearga, Oct. 16mh, leis an Urr. R. Mac Aonghais, Ioseph Johnstone, St. Peter’s, us Ceat Nic Coinnich, Hay Cove. Aig St. Andrews, N. S., 16mh la de October, leis an Urr. Seumas Friseal, Ruairi Mac-a-Phearsain us Màiri Dhomhnullach. BAIS. Aig Kerrowgare, Pictou, Oct. 11, Iain T. Sutherlan, 23 bliadhna dh’aois. Aìg a Ghleann Ur, Baddeck, air an 26mh latha do October, Seònaid E. Nic-am t-Saoir 15 bliadhna a dh’ aois. Aig Soldier’s Cove, an 3mh la de dh’ October, Domhnull Sutherlnn, 68 bliadhna dh’aois.—R. I. P. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 134] [Vol. 3. No. 17. p. 6] MAR FHUAIR EACHUINN AN COIRCE. Bho chionn ùine mhòir air ais, bha duine ’fuireach air na cluaintean ann an Gleann-Urchadain, air an d’ thug na coimhearsnaich mar ainm, “Eachunn Dubh.” Bha croit agus beagan spréidh’ aig an duine so; agus bha sin ga chumail bho bhliadhna gu bliadhna gun a bhi ’deanamh obraichean sam bith eile. Bha toradh a’ chriomaig thalmhain so, tha e coltach, a’ cumail pailteas bidh ris fhéin ’s ri ’thigh, ’s ri chuid spréidh; agus cha robh an còrr a’ cur cùraim air. Bha so gu math fhrd ’sa mhair e, Ach co-dhiù, bliadhna dhe na bliadhnaichean, thachair nach d’ fhàs am bàrr, mar is minig a rinn e, agus air an aobhar sin bha gu leòir aig Eachunn agus aig iomadh croitear eile, m’an deachaidh an geamhradh seachad, iad fhéin agus an cuid bheathaichean a chumail ann am biadh. Ach le beagan caomhnaidh, fhuair iad an geamhradh seachad; ach ma fhuair, thàinig an t-earrach ’s cha b’e a b’usa, gun fhios cia as a thigeadh an siol-cur Bha an aon ùirnigh ’s an trom-ghearan ann am beul gach aoin: cia mar a gheobhadh iad siol-cuir? A’ chuid aig an robh sgillinn airgid bha e a’ ceannan t-sìl; ach cha robh airgiod aig Eachunn, agus o nach robh, bha e ’cumail cagnaidh ris a dh’ oidhche ’sa cia as a thigeadh siol a chuireadh a’ chroit. Chaidh e mach aon mhaduinn se ann an trom smuairean mu ’n ni so, ’s cò dhunnaic e tighinn ’na choinneamh ach Eoghann Mac-Gille, fear dhe a choimhearsnaich, le each us càrn làn de phocaunan coirce. “Cia as a fhuair thu au corc, Eoghainn?” ars’ Eachunn. “Ubh! fhir mo ghraidh, Eachuinn, an d’ fhuair thu graine fhathast? Chaidh mise mhan an diugh a dh’ fhaicinn a’ Mhinisteir; agus gu fortanach, fhuair mi na tha thu coimhead.” “’S am bheil graine tuilleadh aig a’ Mhinisteir, a lamhas e ’thoir seachad?” dh’ fharsid Eachunn. “Tha sin àige,” ors Eoghann; “agus gu dearbh cha ’n ’eil e na dhroch olach leis.” Rinn so on gnothuich dh-Eachunn. Fhad ’s a bhiodh corc’ aig Mr—bha fhios aige gu ’m faigheadh e fhein beagan deth. Cha do leig e ’n corr dail ann; ach dh’ fhalbh e a dh’ ionnsaidh a Mhinisteir. Ach cia mar a bha e dol a dh’fhaotuinn sil o ’n Mhinisteir. gun an t-airgiod? Ged nach robh an t-airgiod aig Eachunn, cha do leag sin a chridhe. Bha e ’na dhuine carrach agus bha e ag earbsa gu mor ri sin. Mu ’n robh a’ mhaduin ach og rainig Eachunn tigh a’ Mhinisteir, ag iarraidh fhaicinn, agus air dha ’n t-searbhanta innsehdh do a maighstir gu’n robh duine stigh air son ’fhaicinn, chaidh Eachunn fhiachainn sios far an robh am Ministeir. “Gu de so, Eachuinn, a thug a mach an diugh thu?” ars am Ministeir. “Thug le ’r cead, gnothach nach ’eil ro deallbhach domh ri innseadh, ged is fheudar dhomh ’dheanamh.” “Ciod e sin?” “Mata, la ’r cead, cha ’n ’eil mi air son innseadh dhuibh gus am bi mi cinnteach nach ’eil aon anns an t-seomar ach sin fhein,” ors Eachunn ’s e dunadh an doruis. “Nach ’eil thu coimhead nach ’eil aon ’s an lathair ach sinn fhin? ors am Ministeir. “Tha ach cha ’n ’eil mi air son gu ’m biodh aon sam bith mu ’n cuairt’ a chluinneadh sinn; a thaobh ’s nach ’eil mi air son gun cluinneadh neach air bith an t-uirsgeul so a a tha mi a dol a chur an ceill dnibhse, ach sibh fhein a mhain.” “Cha ’n eagal da sin, Eachuinn; thig thusa mach le d’ uirsgeul; agus ni sam bith a lamhus mise a dheanamh chum do leaghas ni mi e gu toileach,” ars am Ministeir. “Mata, thainig mi dh’ innseadh dhuibh nach ’eil Uirnigh ’n Tighearna fhathast agam!” ors Eachunn; “agus gus an ionnsuicheadh sibh dhomh i.” “Ubh! ubh! mo naire! mo naire! cha robh mi ’n duil gu ’n robh neach a dol a stigh do ’n Eaglais air la na Sabaid gun Uirnigh ’n Tighearn’ aige! gu de a’ bheatha bha thu a caitheadh riamh? An do chum thu dleasdnas riamh ’n a do thig?h” “Is iomadh uair sin; ach cha d’ fhuair mi lan-ionniachadh air Uirnigh ’n Tighearna fhathast, agus mar a thubhart mi mar tha, is ann a dh’ fhaotuinn sin a thainig mi so an diugh.” “B’ fhearr leam gu ’n d’ thainig thu o’ chionn dusan bliadhna,” orsa Ministeir, ach ma ni thu feum math dhe do thurus an drasda fhein, cha ’n ’eil comas air do mhairnealachd roimhe so: dean suidhe gus an cluinn thu mise dol air aghart leis an Uirnigh, ’s a sin, gabh fhein as mo dheigh i.” Rinn Eachunn mar a chaidh iarraidh air; agus thoisich am Ministeir air briathran beannaichte na h-Uiruigh a chur an ceill do dh-Eachuàn gu socrach, soluimte, mar is cubhaidh do luchd nan casg—“Ar n-athair a ta air neamh.” “O!” ors Eachnnn gu socrach, soluimte, mar is cubhaidh do luchd nan casag:—“Ar n-athair a ta air neamh.” “O!” ors Eachunn, “an e ar e n-athair uile E.” “Ubh! ubh! an robh thu gu ’n fhios air sin gus a so, Eachuinn! Ma leugh thu riamh am Biobull chitheadh tu gu ’r Esan an Ti-ard, is athair do gach aon do shliochd Adhaimh.” “Mar sin ’se sinne gu leir na braithrean?” ors Eachunn. “Gu ’n teagamh air bith is sinn.” “Agus is mise ’s sibhse na braithrean?” lean Eachann. “Se, Eachuinn, mise ’s thusa na braithrean, anns ’an t-seadh so.” “Mata, le ’r cead, tha mi dol a dh’ fharaid aon cheisd eile dhibh.” “Seadh, Eachuinn, a mach leatha.” “Nach bu choir do na bhrathair bheairteach cobhair a dheanamh ris a’ bhrathair bhochd an uair a bhiodh e ’na eiginn?” “Mata, gu dearbh, b’eadh, agus na ’m biodh sput idir do dh’ eagal an Athair ann dheanadh e sin.” “Bhuil, ’s ann a bha mise gu ’n ghrainne sil a chuireadh a’ chroit domh; agus air chluinntinn domh e bhi agaibh-se gu pailt, thainig mi do ’r n-ionnsuidh air a shon; agus o’n sibh fhein an deigh a dhearbhadh gu ’r braithrean sinn, bidh duil agam nach leig sibh air falbh falamh ml.” “Ubh! Eachuinn! cuiridh sin car ur ’s a ghnothuch; ach ’o ’n a thainig thusa dh’iarraidh a’ chorca, ’s an doigh abhachdail so, gheobh thu e. Siubhail do ’n t-sabhall, agus bheir an gille na dhuit bhios uat.” GED nach fhacas sneachda anns an dùthaich so fhathast, tha dùthchannan eile aig nach eil sin ri radh. Ged is fada deas oirnn Stàit Vermont, ’s ged shaolamaid gu’m biodh side bhriagha ann ’n uair bhiodh an dùdhlachd againne, thuit sia oirlich de sneachda ann air an t-seachdain. A tuath oirnn, ann an Labrador, bha stoirmeannan mora sneachda aca toiseach na seachdain so, na’s mò na chunnacas ann o chionn aireamh bhliadhnachan. [TD 135] [Vol. 3. No. 17. p. 7] AN GUALADAIR ’S AN TROMBAIT-CHLUAISE.—Chaidh gualadair Sasunnach a stigh far an robh seann duine ’n a shuidhe a chois na teine ann an tigh aosda ann an Caisteal-nobha. “Madainn mhaith dhuibh a dhuine” ars an gualadair. Cha do fhreagair am fear eile. “Madainn mhaith dhuibh, a dhuine choir,” ars an gualadair a rithist; aca cha mho a fhreagair am bodach, ach chuir e lamh ’n a phocald ’us tharruinn e mach adharc mhor mhiotailt, rud mar nach fhac an gualadair riamh roimh. Chuir am bodach an trombaid r’ a chluais, ’s sheas e ’g amharc air a ghuladair gu geur; ’s sheas am féar eile ’g amharc air a bhodach le mor ioghnadh. Mu dhearadh thubhairt an gualadair ris a bhodach. “Cha dean e feum; cha ’n urrainn duit a chluich le ’d a chluais.” MAC-LEOID. Tha Lighicahean cleachdadh M’ds Liniment Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siorasan Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 136] [Vol. 3. No. 17. p. 8] An Ceathramh Cuid. Bha duine dubh anns na Staitean uair, agus ghabh e mìr fearainn air mhàl o dhuine geal. B’e ’m màl bliadhnail a bh’ aige ri phàigheadh, an ceathramh cuid dhe gach ni a dh’ fhásadh dha. Aon bhliadhna cha robh dad aige ’n cur ach corn, agus cha robh aige dhe sin fhéin ach tri lóid cartach. Ghabh e each us cairt an dùine ghil ’an iasad, agus chuir e ’n t-arbhar a stigh. Chuir e na tri lòid dha ’n t-sabhal aige féin, ’s chaidh e dhachaidh leis a chairt. Dh’ fheòraich an duine geal dheth, “C’àite bheil mo chuid-sa dhe’n arbhar?” “Cha’n eil cuid agad,” ars an duine dubh. “Cia mar a tha sin?” ars an duine geal, “nach rohh agamsa ris a cheathramh cuid dhe’n arbhar fhaotainn.” “Tha sin ceart gu leòr,” ars an duine dubh, “ach cha robh ’n ceathramh cuid ann. Cha robh ann ach direach na tri lòid agam fhéin.” Mac-Talla ann an New Zealand. Tha àireamh mhath de Ghàidheil mu’n cuairt air Waipu, ann an N. Z., agus tha MAC-TALLA ’gan ruigheachd gach seachdain mar tha fios aig ar luchdleughaidh mar tha. Cha robh ’dol ann an toiseach ach aon àireamh, agus so mar a sgriobh am fear a bha ’ga fhaotainn, uime o chionn ùine gun bhi ro fhada. “Tha mi gle bhuidheach dhe ’n MHAC-TALLA, ’s tha mi creidsinn gu bheil mo choimhearsnaich mar sin cuideachd. Co-luath ’sa leughas mi-fhin e tha mi ’ga thoirt seachd—’s tha gu leòr ’ga iarraidh. Tha mi ’ga chur gu Iain Rothach, ’s ’nuair a chuireas esan air ais e, tha mi ’ga thoirt do Uilleam Mac Coinnich, do Mhrs. Domhnullach, do Alasdair Friseal, do Uilleam Mac Leòid á St. Anns, do Iain Kempt, ’s do Alasdair Kempt, á Kempt Head. An deigh sin tha e ’dol as mo shealladh, ’s cha’n eil mi ’ga fhaicinn tuilleadh, ach tha mi creidsinn gu bheil e dol ceithir-thimchioll air Waipu a h-uile seachdain.” Tha e toirt toileachadh mòr dhuinn a chluinntinn gu bheil am paipeir cho cho siùbhlach anns an dùthaich fhad-as ud, ’s tha sinn an dòchas gur ann a’ sior dhol na’s siùbhlaiche bhitheas e. Tha àireamh dhiubhsan a th’ air an ainmeachadh an so a chuir a dh’ iarraidh a phaipeir dhaibh féin o’n chaidh so a’ sgriobhadh, ’s tha sinn cinnteach gu bheil tuilleadh ri tighinn ’nan deigh. IS BRAITHREAN SINN UILE. LE R. NICOL. O B’ àlainn an dachaidh ’Bhiodh againn ’s an t-saogh’l, Na ’n sguireamaid còmhla D’ ar connspaidean faoin’, ’S gun abradh gach duine Ri ’urra, le bàigh— “Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa do làmh.” Nach brónach an sgéul e Gum féum sinn bhith ’strìth, ’N uair dh’ fhaodamaid còrdadh ’S tigh’nn beò ann an sìth; Le fàilte ’s le furan Bu duineil bhith ’g ràdh— “Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa do làmh.” Tha mo chòta-sa molach, ’S tha d’ èideadh-sa mìn, Bidh mise ’g òl uisge, ’S bidh tusa ’g òl fìon’. Ach cridheachan tairis Tha againn a ghnàth, Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa do làmh. Is beag ort an cealgair Le feallsachd na chrìdh’; ’S tu sheasadh an fhìrinn, ’S nach géilleadh ’s an strìth. Bidh mise ri d’ ghualainn, Gu buaidh no gu bás; Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa do làmh. Cha dèanadh tu éucoir Air créutair fo ’n ghrèin; ’S i slighe a’ cheartais Is taitnicd’ leam fhéin. Is aon sinn ’n ar sòlas, ’N ar dòchas, ’s ’n ar gràdh, Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa dc làmh. Mu ’n ghaol thug do mháth’r dhuit Is gnàth leat bhith ’luaidh; Fhuair mise ’n gràdh céudna Bho ’n té tha ’s an uaigh. Eisd cagar na fìrinn Ri ìosal ’s ri àrd— Is bràithrean sinn uile, Fair dhómhsa do làmh. Is ait leam an céitein, Is éibhinn a ghnùis; Is toigh leinn ar dachaidh— O cagailt mo rùin! ’S a’ ghrian anns na speuran Tha ’g éiridh gach là— Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa do làmh. Gu luath thig an aois oirnn ’S an t-aog air a cùl; ’S gun dàil théid ar càramh Gu sàmhach ’s an ùir. ’S a’ chill ni sinn cadal Gu madainn Là ’Bhràth— Is bràithrean sinn uile, Fair dhòmhsa do làmh. —Eadar. le FIONN. Gaidhlig Beinn-Dorain. Cha d thug mi an aire gun robh freagairt idir air toirt seachad do na ceistean aig D. D. Tha mis, a reir an eòlais agus an fhiosrachaidh agam féin ’g am fuasgladh mar a leanas: CUILE,—Coire creagach, dàil no lón le criochan creagach. FOINEASACH—Maiseach gasd, a’ coimhead gu math, le deagh-choltas air. CAIDHTICHE—A mhaireas fad uine mhath. USGRAICHEAN—Clachan luachmhor, seudan. EARRAIGEACH—Seòlta, innleachdach. cuilbheartach. DAIMSEAR—Damhair, bùireadh. AIN-FHEASACH—Ana-miannach, gaors, achd. MEARACHDASACH—Sugrach, mear-macnusach. GALL-GHAIDHEAL. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 1894. [TD 137] [Vol. 3. No. 18. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 3, 1894. No. 18. ORAID. Bha aig na Gaidheil ann am baile mòr, nach ’eil fada bho ’n aite seo, coinneamh chaidreamhach air oidhche-shamhna. Bha nis’ a lathair, agus mar a bha an tuiteamas an dàn dhomh, chaidh mo thàladh a nios, gu ruig an ard-ùrlar, agus ma’s math mo chuimhne is ann mar so a labhair mi. Fhir-na-Cathrach agus a’ Chairdean. Bha mi gle thoilichte, bha mi toilichte gu dearbh, nuair a chuala mi gur robh sibh ’dol a chumail coinneamh ann an seo, mar a b’ abhuist dhuibh air oidhche shamhna. Chuir mi romham gum bithinn a lathair, nam faighinn cead nan cos, us cothrom air agus thainig mi ann mar a chi sibh. Ach o nach deachaidh fios a chur orm, an t-aona chuid, chum òraid a dheanamh no chum sgeulachd a taoirt seachd; bha mi ’n duil nach biodh dad idir agam ri dheanamh ann, ach aite suidhe a ghabhail ’n ur measg, agus an aire, agus an eisdeachd a thoirt do fhearas-chuideachd sam bith, a bhiodh a dol air aghart. Ach fhaic sibh a chairdean, cho mor agus a tha mi air mo mhealladh. Chaidh mo chur an aird ann a seo, air beulaobh a Bhaillidh, (bha am Baillidh anns a’ chathair) chum ’s gun innis mi dhuibh air choir, ciod e mo ghnothuch ris a’ chomunn, agus ciod e ’n rud a thug idir ann mi. “Ach ochan mo leon cha’n urrainn mi.” An uair nach ’eil fhios agam féin; cia mar is urrainn mi innseadh dhuibh, co dhiu a b’ e gaol, no an cairdeas, no co dhiu a b’ iad an dithis aca le cheile a thug ann mi. Air an darna laimh ma their mi gum b’ e an cairdeas, a thug do ’n taobh seo mi cha-n ’eil fhios nach bi a cheisd seo, a tighinn a nuas orm; “Cia meud cairid a bu choir a bhi aig duine.” Ma ta o nach eil mi comasach air freagairt a thabhairt air a’ cheisd sin, cha’n abair mi, ach, gum faod, a reir coltas, gum faod ro-mhoran chairdean bhi aig duine, a chionn, ged tha an talla seo an trasd, glé làn de chairdean dhomh, cha ’n aidich ni gu bheil tuille ’sa choir ann us mi ’g ionndrainn fear no dha eile fathast. Agus air an laimh eile; ma their mì gur e an gaol a thug ann mi, bi eagail orm, gun bi sibh ag iarraidh orm sgeul air dreach agus cumadh an rud neonach seo, nach fhaicear, agus nach fhaighear a leithid eile air muir no tìr. Is iomadh uair a chual mi sgeulan iongantaich air, mar cho meallaidh, mealltach agus a tha e. Chuala mi cuideachd nach ’eil feum ann a bhi cur na aghaidh gun tig e oirnn gun chuireadh, gun chead, mar a thainig a’ bhana-bhuidseach air Iain, agus gun gabh e greim oirnn air dh’ aindheoin—agus ni ’s mios na sin, gum falbhaidh a rithist e, air uairibh, gun fhios c’arson, Ach cha d’ fhuair mi féin fios no faireachduinn air mar sin. ’S ann a thachair dhomh, o chionn bliadhnachan gun do ghabh mi gaol air—ma ta cha ’n ’eil fhios nach b’ e an gaol a ghabh greim orm, ach coma leibh—ghabh mi gaol air a Ghaidhlig agus cha do threig e fhathast mi. Nis a chairdean ged nach labhair mis a’ Ghaidhlig cho briagh, deas, agus a b’ abhuist dhomh, ged nach brudhinn mis an trast i cho neo—chearbach glan agus bu mhath leam. Seadh ged nach aithris mis’ i ach gu mabach, manntaeh, mall, tha mi ag innseadh dhuibh agus ag iarraidh oirbh a’ chreidsinn nach e mo ghaol do ’n Ghaidhlig, nach e an gradh a bh’ agam riamh, do chainnt’ nam beann us nan gleann’, a tha teireachduinn ach na focal féin a tha gam threigsinn. Agus se cion cleachdadh, ’s coireach dha sin o na threig mo chruinneag ghaidhealach. Rinn an gille ruadh suas rithe dh’ fhalbh i leis, agus cha d’ fhag i an t-aona chuid, blathas nam pògan no blas na Gaidhlig air mo bhilean. Mar sin an saoil sibh gur neonach, ged robh mi creidsinn, ’s mi’ gu fuar, ’us gu a’ ghabhail an turus ann, an nochd am bitheadh e iongantach ged bhithinn a chreidsinn nach robh uiread a’ Ghaidhlig air fhagail agam, agus “cia mar tha sibh” a raidhtinn, nuair a ruigeann. Ach cho luath agus a rainig mi ceann mo thuruis agus chunnac mi ’n solus ’s na h-uinneagan, agus a chuala mi nuallan nam piob anns an taigh riomhach seo, ghrad dh’ fhalbh an sgios, cha robh cuimhn’ air an fhuachd, ghabh mi air an staidhre na mo ruith suas. Agus air tuigsinn dhomh, agus a chunnac mis’ ann, a luithad chairdean a b’ aithne dhomh, agus a chaidh failte a chur orm anns a’ chainnt a thuigeas sibh, ged is gam a thuigeas mi féin a nis i, ghrad dh’ aithnich mi gun robh nan laidh na mo chridhe fhathast, mar gum b’ ann nan cadal, focal no dha ’Ghaidhlig nach do theirig dhomh. Agus tha iad a nis mar gun b’ am, a togail an ceann, agus a stri le mo theangaidh, agus sabaid na mo bheul, co am fear bu luaithe a mach dhiu, chum mi buidheachas a thoirt dhuibh; cha ’n e amhàin air son mar a chuir sibh failte orm, agus mar a rinn sibh furan rium, an diugh, ach cuideachd, chum innseadh dhuibh, cia cho fada agus a tha ’n ur comain, air son a’ chairdeis, agus a’ chaoimhneis a nochd sibh ruim, o na thachair sinn. ri cheile air tùs. B’e sin aig a’ cheud choinneamh chaidreamhach Ghaidhlig a bha air a gleidheadh aig na fior-Ghaidheil anns a’ bhaile seo. Agus riamh o’n uair sin, tha e na thoilinntinn mhòr dhomh a choinnicheadh ribh, ogus oidhche air a cheilidh a chur seachad ann an cuideachd ur Co-chomunn) Mo rùn air a Chomunn, is fada gu dearbh o na chaidh a chur air chois, agus tha e na sheasadh fathast, cho laidir liomhor agus a bha e, ullamh gu obair sam bith a bhios cum leas nan Gaibheal anns a bhaile seo, a ghabhail o’s laimh, agus a dheanamh gu coimhlionta. Thatar ag radh gur e is crioch do gach comunn dealadh. [TD 138] [Vol. 3. No. 18. p. 2] LARACH NINEBHEH. (BHO FHEAR-TATHAICH NAM BEANN.) B’ e Ninebheh aig aon am ceann-bhaile Iompaireachd mhor Asiria—an t-aite anns an do thuinich prionnsachan agus maithean na rioghachd sin re ioma linn; agus b’ e baile a bu mho agus a bu shluaghmhoire a bha ’s an am sin air aghaidh an t-saoghail. Tha e air innseadh dhuinn ann an leabhar Gheneses (x. 11.), gu ’n deach Asur, aon de mhic Sheim, a mach o thir Shinar, agus gu ’n do “thog e Ninebheh;” ach cha ’n eil sinm a’ cluinntin tuilleadh cunntais uime ’s na Sgriobtuirean naomha gus an do chuireadh am faidhe Ionah le teachdaireachd o Dhia a dh-ionnsuidh a luchd aiteachaidh, a chur an ceill doibh gu ’m biod am baile air a sgrios an ceann “da fhichead la,” do bhrigh gu’n robh an aingidheachd air dol suas ’an lathair Tighearna nan sluagh. Tha Ionah a’ cur an céill gu ’n robh ann an Ninebheh “tuilleadh agus se fichead mile pearsa (120,000), nach b’ aithne an lamh dheas seach an lamh chli,” ’s e sin de chloinn bhig; air choir ’s nach b’ urrainn gu’n robh an luchd-aiteachaidh gu leir dad fo shea ceud mile sluaigh (600,000) ’n a aireamh—tuilleadh ’s a tha ’n Glaschu! Bha e’n a “bhaile ro-mhor, astar thri laithean,” no thri fichead mile mu’n cuairt. Cha robh e idir coltach ri bailtean mora nan laithean so—cha robh an luchd-aiteachaidh air am pacadh suas ann an sraidean cumhann, salach, far a bheil sea no seachd de theaghlaichean domhail a chomhnuidh os ceann a cheile, mar a tha iad aig an am so ’s na bailtean mor a’s ainmeile ’s an Rainh-Eorpa; oir cha ’n e mhain gu ’n robh sluagh lionmhor ann, ach bha mar an ceudna “moran spreidh” ann. Mar so, ’n uair a bheir sinn fainear meudachd Ninebheh, agus mar an ceudna an teisteas a tha Nahum a’ toirt uimpe; ’s e sin gu ’n robh i ’n a “cathair fhuiltich? uile ’n a ceilg, lan de reubainn,” cha ’n ’eil e idir iongantach gu ’n d’ oidhirpich duine iosal ann an imbhe ’s am misnich mar bha Ionah, air “teicheadh do Tharsus o’ fhianuis an Tighearna;” oir “bheir eagal duine ribe leis.” Ged a ghabh muinntir Ninebheh aithreachas fo shearmonachadh Ionah, agus a bha iad car uine air an caomhnadh; gidheadh tha e coltach nach robh “am maitheas ach mar neul na maidne, agus mar an druchd moch a shiubhlas air falbh;” oir gle ghoirid na dheigh so tha ’n Tighearna, le beul nam faidhean Nahum agus Sephaniah, a’ cur an ceill “trom eallach Ninebheh”—ag innseadh gu’m biodh e air a’ dheanamh “’n a larach luim, tioram mar an fhasach,” agus gu’m biodh cumhachd agus moralachd rioghachd Asiria air an toirt gu lar. Tha Nahum ag radh mu ’dheighinn gu’m bu bhail e le moran dhaingneach, le geatachan lionmhor agus croinn-dhruididh—gu’n robh a luchd-malairt lionmhor thar reultan neimh—gu’n robh a phrionnsachan lionmhor mar na locuist, agus nach robh crioch air ’ionmhais. “So (arsa Sephaniah) a’ chathair luaghaireach a ghabh comhnuidh gu tearuinte; a thubhairt ’n a cridhe. Tha mi agus cha ’n ’eil ann ach mi. Cionnus a dh’ fhas i ’n a fasach, ’n a h-aite air son bheathaichean gu luidhe sios ann!” A reir a’ chuntais a tha air thoirt seachad le luchd-eachdraidh creideasach, bha ’n fhaidheadaireachd so air a coi’-lionadh o cheann da mhile agus ceithir cheud gu leth balidhna. Chaidh righ Mhedia agus Phersia agus Nabopolosar, righ Bhabiloin ann an co-bhoinn an aghaidh Ninebhah, agus do bhridh gu’n robh tomhas aingidheachd a’ bhaile sin air a lionadh, thug an Tighearna thairis e do lamhan a naimhdean. Thainig “esan a phronnas ann am bloighdibh a nios fa comhair;” bha “fuaim slait-sgiursaidh, agus torman farum nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach” r’an cluinntinn anns na sraidean; “bha geatachan na h-aimhne air am fosgladh, agus bha ’n luchairt air a sgaoileadh;” “cha robh crioch air na cairbhinnibh;” bha chreach airgid agus oir air “a glacail;” agus “‘cha chualas guth a teachdairean ni’s mo;” “chunnaic na cinnich a lomnochduidh, agus na rioghachdan a naire.” Tha ’n cunntas a dh’ fhag seann sgriobhairean ’n an deigh, agus mar an ceudna aithris an luchd-turuis sin a shiubhail troimh ’n aite, a’ cordadh air dhoigh ro-chomharraichte ris na dh’ innis na faidhean a bha gu tachairt. Tha e air a radh gu’n robh ballachan Ninebdeh ceud troidh air airde, tri fichead mile mu’n cruairt, agus air an dion le cuig ceud deug tur (1500)—gach aon diubh da cheud troidh air airde. Tha Lucian, aon de luchd-aiteachaidh Samosata dluth air an abhainn mhoir Euphhrates, a sgriobh mu cheud bliadhna an deigh bas Chriosd, ag innseadh gu’n deach as do Ninebheh gu tur, agus nach b’ urrainn neach air bith innseadh urad agus c’ ait an robh e ’n a sheasamh. Re nan ochd ceud deug bliadhna a a chaidh seachad o na sgriobh Luican, cha robh aithne air bith air Ninebheh ach a mhain ann an ainm. Chaidh eadhoin a laraichean briste as an t-sealladh; agus an uair a bha luchd-turuis agus daoine foghluimte eile a’ tionndadh suas agus a’ rannsachadh gach ni bha air mhaireann de riomhadh ’s de mhòralachd na Greig agus na Roimh, cha robh ach gann for’ais air bith ’g a dheanamh mu Ninebheh no mu Bhabilon, no oidhirp air bith air a toirt gus an t-aite ’s an do sheas luchairtean greadhnach righrean Asiria agus Chaldea fhaotuinn a mach. O cheann beagan uine thug cuid de’n luchd-turuis a thaoghail an Asiria fainear aireamh mor de dhuintean ’s de tholmain air taobh na h-airde tuath de’n abhainn sin ris an abrar an Tigris—abhainn a tha ruith ’s an aon chursa ri abhainn Euphrates; oir tha iad araon ag aonadh r’a cheile tacan maith mu’m bheil iad a’ taomadh a mach ann an Geodha mor Phersia (Persian Gulf). Thug aon no dha oidhrip air cladhach am measg nan duintean ud, dh’ fhench am faigheadh iad ni air bith a chuireadh solus air eachdraidh an aite ’s an am a dh’ fhalbh; ach do bhrigh nach robh aca gach goireas a bha iomchuidh a chum obair de ’n t-seorsa a ghiulan air a h-aghaidh, b’ eiginn doibh sgur gun a bhi dad ni bu ghlice na bha iad an uair a thoisich iad. Air mullach aon de na duintean so tha uaigh ris an abrar “Uaigh Ionah,” agus tha beul-aithris ag radh gur h-ann an so a bha am faidhe air adhlacadh. Air do dhuin’ og, tapaidh d’an ainm Layard, agus a tha de naisinn Fhrangaich, iomradh a chluinntin air na duintean ’s air na tolmain air an robh sinn a’ labhairt, thog e air, agus cha deach stad air a chois gus an d’ rainig e bruachan na Tigris. Cho luath ’s a rainig e ’n t-aite, ’s a dh’ amhairc e gu mion mu’n cuairt air gach colas balla, agus tuir a bha r’am facinn; agus air dha beagan phiocaidean agus shluasaidean a sholar, agus muinntireas a chur air leth-dusan de na h-Arabaich a tha fuireach mu’n aite, thoisich e air cladhach anns an aon a’s motha de na [TD 139] [Vol. 3. No. 18. p. 3] duin, a tha mu ochd ceud deug troidh air fad, naoi ceud troidh air leud, agus cuig ’s tri fichead troidh air airde. Cha deach iad fad’ air an aghaidh ’n uair a thachair iad air seomraichean ro-eireachdail. Bha ballachan nan seomraichean so air an deanamh suas de leachdan mine air an robh dealbhan each agus charbadan cogaidh, saighdearan mar gu’m biodh iad ag caitheadh le’n saighdean, agus moran grabhalaidh eile de iomad seorsa; ach a thaobh ’s gu ’m b’ ann le teine a chaidh an tur so a mhilleadh, mar a tha gu soilleir r’a fhaicinn, bha ’chuid mhor de na seomraichean air am briseadh, agus na leachdan air an losgadh gu h-aol. Ach ged a bha moran de na leachdan ’s de na h-iomhaidhean a thuit ’n an smur co luath ’s a chaidh an rusgadh, gidheadh bha feadhain co cruaidh, shleamhain, agus an grabhaladh co soilleir, cuimir ’s a bha iad riamh! Bha cuid de na dealbhan a bha air an tilgeadh thairis le h-or agus le nithibh luachmhor eile; agus ’n uair a chunnaic na h-Arabaich an t-or cha robh teagamh aca nach b’ ann air toir ulaidh, no ionmhas foluichte a bha Mr. Layard; agus bha mor ioghnadh orra, ’n uair a thuirt e riu gur clachan a bha esan ag iarraidh, agus gu’m feudadh iadsan gach or agus airgiod a gheibheadh iad a ghleidheadh. Bha na daoine so, mar a bha sluagh na cearn’ sin gu leir, ro aineolach araon air eachdraidh an duthcha fein agus dhuthchannan eile, agus mar sin cha b’ urrann doibh a thuigsinn ciod an toileachadh no ’bhuannachd a bheireadh e do neach, a mhaoin agus ’uine chaitheadh air ni a bha co faoin ’n am beachdsan. Cha d’ fhairich iadsan riamh an dian iarrtas a bha aig Mr. Layard gu ni-eigin fhaotainn a chuireadh solus air cleachdadh agus suidheachadh nan Asirianach anns na linntean cian ’s an do labhair na faidhean, agus air son an robh e nis “a’ rannsachadh mar air son ionmhas foluichte.” (Ri leantuinn.) Phàigh Breatunn sia muillein gu leth (£6,500,000) pùnnd Sasunnach an uiridh air son uighean agus eunlaith. Chaidh ceithir muillein gu leth dheth sin do dhùtchannan céin, agus dà mhuillein do Eirinn. Tha so a bharrachd air na chaidh a phàigheadh air uidhean us eòin a thogadh am Breatuinn fhéin. A Leithid Eile. Bha bean-uasal air lath’ àraid a’ gabhail na stràide còmhla ri a fear pòsda ann an carbad, agus air dhaibh a dhol mu’n cuairt oisean, fhuair iad iad féin ann an caol-shràid anns nach b’urrainn do dhà charbad dol seachad air a chéile, agus aig a’ cheart àm thug iad fa-near carbad ceannachd a’ tigh’nn na’n coinneamh. Cha robh rùm dol seachad no tionndaidh aig aon seach aon. “Is esan a dh’fheumas cur air ais,” ars a’ bhean-uasal, cha n-eil mise dol a thilleadh air son fear dhe ’n t-seòrs’ ud idir; ’s math a dh’fhaodadh e ar faicinn mu’n d’thàinig e air an rathad.” “Ach,” ars a fear, “cia mar a chitheadh e sinn? cha n-fhaca sinne esan.” “Coma leam cò dhiu,” ars ise, “cha chairich mise á so gus an téid esan air ais, ged dh’ fheumainn fuireach gu deireadh an t-saoghail.” Chuala ’m fear a bh’ anns a charbad eile an còmhradh a bh’ aca, ’s thuirt e gu robh esan toileach gu leòr cur air ais, aig a cheart àm a gnogadh a chinn ris an duin’-uasal ’s ag ràdh. “Tha dìreach a leithid eil’ agam fhin aig an tigh.” Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. Chaidh fear F. Mac-Gill-fhinnein, á Toronto, a null do’n Ghàidhealtachd toiseach an fhoghair a choimhead a phàrantan a tha fuireach ann am Baile-dhuthaich. Air an latha mu dheireadh de dh’ Ogust, chaidh e air chall, ’s cha d’fhuaireas sgeul air fhathast. Tha a’ phlanaid mars anns na lathaichean so ri faicinn gu soilleir. Chithear i na’s fhearr aig an àm so na chunnacas i o chionn còrr us dà bhliadhna agus ruithidh dà bhliadhna eile seachad mu’m faicear i cho boìllsgeach a rithist. ’S còir do gach neach sùil mhath a thoirt orre fhad’sa bhios i na maise. Minards Liniment air son Loine. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH. Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 140] [Vol. 3. No. 18. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 3, 1894. TURAS FADA. LEIS AN URR. E. MAC LAOMUINN, D. D. An uair a thàinig an Lighiche ’nuas an staidhir bho ’n t-seómar anns an robh a’ Bhana-mhaighstir Marshall ’n a luidhe gu tinn, bha ’n teaghlach uile cruinn anns an talla ’réir coslais a chum grabadh a chur air. “Gu dé cho luath ’s a dh’ fhàsas mo mhàthair gu maith!” dh’ fheòraich Cluaidh, am pàisde. “An urrainn do mo mhàthair tighinn a nuas an staidhir air an ath sheachduin?” dh’ fheòraich Ceiteag an nighean a bu shine ’s a’ bhean-tighe bheag. “Am bheil thu ’faireachduinn gu’m bheil mo bhean mòran ni s’ fhéarr?” dh’ fheòraich Maighstir Marshall gu dùrachdach. Cha d’ rinn an Lighiche snodha-gàire. Cha do stad e eadhon a fhrecgairt an ceistean. “Tha mi ann an cabhaig mhòr,” thubhairt e, ’se ’togail aide leis. “Is éigin dhomh dol gu neach eile ’tha anabarrach tinn. Taoghlaidh mi ’rithist anns an fheasgar. Dh’ fhàg mi gach òrdugh leis a’ bhean-eiridinn,” Ach is ann mu dheibhinn comhfhurtachd na mnà bha gu tinn a bha gach seòladh a fhnair a’ bhean-eiridinn. Bha ise, mar bu chubhaidh dhi, faicilleach agus sàmhach. Chaidh impidh a chuir air a’ chloinn a bha a’ cluich air an staidhir, gun iad a dheanadh faruim air bith. Chaidh an latha tiamhaidh seachad. Chaidil a’ bhean thinn agus cha do chuireadh dragh oirre. Ach mu ’n deachaidh a’ chlann a luidhe, fhuair iad cead a dhol a stigh agus oidhche mhaith a ghuidhe le ’m pògan do ’m màthair. Chaidh an t sochair cheudna ’dhiùltadh dhoibh car tamuill roimhe so, agus fhreagair an cridheachan beaga le gàirdeachas do ’n chuireadh’ “Bha ’m màthair ni b’ fhéarr, neo cha b’ urrainn i am faicinn. Leighis an Lighiche i. Bhitheadh gaol aca air air a shon so ré uile làithean am beatha.” Bha i anabarrach glais-neulach, ged rinn i snodha-gàire. Is iad na ceud’ bhriathran a labhair i riu, “Tha mi ’dol air turas.” “Turas,” ghlaodh a’ chlann. “An toir sibh sinne leibh?” “Cha toir. Is e turas fada fada ’tha ann. “Tha ar màthair a’ dol gus an àirde deas,” arsa Ceiteag. “Thug an Lighiche àithne dhi so a dheanamh. Fàsaidh i gu maith am measg doireachan òir-mheas Fhlorida.” “Tha mi ’dol gu dùthaich a tha fada air falbh—gu dùthaich gu mòr is boidhche na eadhon an Airde Deas ghrianach,” arsa am máthair gu fann, “agus cha tig mi air m’ ais.” “Tha sibh a’ dol ’n ar n-aonar, a mhàthair,” dh’ fheòraich Ceiteag. “Cha’n ’eil, arsa a màthair, “tha mo Leigh a’ dol leam. Fàgaibh beannachd leam le bhur pògan, a chlann mo ghaoil; oir anns a’ mhaduinn mu ’m bi sibh ’n ur dùsgadh, bithidh mise air falbh. Thig sibhse uile gu m’ ionnsuidh, an uair a tha sibh air bhur deanamh ullamh, ach feumaidh gach aon agaibh an turas a ghabhail leis féin.” Anns a’ mhaduinn bha i air falbh. Ad uair a dhùisg a’ chlann, dh’ innis an athair doibh mu ’n dùthaich bhòidheach a ràinig i gu sàbhailte am feadh a bha iadsan ’n an cadal. “Cia mar dh’ fhalbh i? Co ’thàinig air a tòir?” dh’ fheóraich iadsan am measg an deóir. “Carbadan Israeil agus a mharc-shluagh,” thubhairt an athair gu sòlaimte. Bha ioghnadh air daoine mu ’n t-sìth agus an t-sonais a bha air an taisbeanadh ann an gnùis na cloinne ’bha nis gun mhàthair. An tràth a tha foighneachd air a dheanamh dhiu, mu ’m màthair, their iad, “Dh’ fhalbh i air turas,” agus oidhche ’s maduinn tha iad a’ leughadh ’n an Leabhar-stiùraidh mu ’n tìr ud anns am bheil i ’nis a’ tuineachadh—an tìr anns nach abair a luchd-àiteachaidh tuille, “Tha mi tinn,” agus far an tiormaich Dia E-féin gach deur bho ’n sùilean.—Au Fhianuis. JOST BROS. (Roimhe so, C. S. Jost & Co.) STOC MOR DE BHATHAR UR. Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa. Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c., &c. Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor, CHEAPSIDE WAREHOUSE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 141] [Vol. 3. No. 18. p. 5] NAIDHEACHDAN. BHA chùirt mhòr ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so a rithist, air son crioch a shur air càsan nach robh ùine air an toirt air adhart ’n uair bha chùirt ’na suidhe roimhe. THA bruidhinn an dràsd air muileann flùir a chur suas anns a’ bhaile. Tha mòran a’ deanamh mach gu’n gabhadh muileann dhe’n t-seòrsa sin cumail aig obair ann an Sidnì cho math ri iomadach àit eile, agus gu’m pàigheadh i cuideachd. CHAIDH duin’ òg do’n ainm Ruairidh Mac Fhionghain a ghoriteachadh aig a Mheinn a Tuath, feasgar Di-luain. Chaidh a chas an sàs ann an inneal leis an robh e ’g obair, agus chaidh a prannadh cho dona ’s gn bheil eagal air na dotairean gu’n tig orra ’chas a thoirt dheth. CHAIDH dithis dhaoine mharbhadh air an rathad-iaruinn eadar Windsor us Annapolis ’sa gheamhradh ’s ’a chaidh, ’n uair bha iad a’ rèiteach an t-sneachda dheth. Tha bantrach fear dhiubh an dràsd an deigh ceithir mile ’s còig ceud dollar a thoirt bhar cuideachd an rathaid air son bàs a fir. CHAIDH caileag òg Susan Cole, fhàgail aig an tigh, ann an Sussex, N. B.. gus an aire thoirt do dhithis phàisdean. ’N uair a thill iadsan a bha air falbh, fhuair iad i aig bonn na staidhre ’s i marbh. Tha iad a’ deanamh gu’n do thuit i leis an staidhir ’s gu’n deach i á cniàmh na h-amhach. CHAIDH duin’ òg do’m b’ ainm Frank Westwood a mhahbhadh aig starsach a thighe fhéin ann an Ontario o chronn tri no ceithir de sheachdainean, agus cha d’ fhuaireas brath air cò a mhort e fhathast. Tha riaghladh na dùthcha a’ tairgse còig ceud dollar mar dhuais do neach sam bith a bheir am follais am mortair. CHAIDH sabhal ’na theine faisg air Dorchester, N. B., aon oidhche ais an t-seachdain s’s chaidh, agus loisgeadh e maille ris gach ni a bha ’na bhroinn. An ath latha fhuaireadh cnàmhan coignear dhaoine anns an làraich. Bu luchd-oibreach ind a bha ’g obair anns a choimhearsnachd, agus bha ’n sabhal ’na àite-cadail aca. THA Mr. Foster an deigh aona muillein deug dollar ($11,000,000) a’ ghabhail ’an iasad ann an Sasuinn, air son riaghladh Chanada. Cha’n eil an teachd-a-steach cho mòr air a’ bhliadhna so ’sa bha i na bliadhnaichean roimhe so, agus tha chosguis a cheart cho mor. ’S e sin is coireach gu bheil aig an luchd-riaghlaidh ri airgiod a ghabhail ’an iasad. O CHIONN treis a dh’ ùine, bha duine do’m b’ ainm Day air a bháthadh aig Canso. Chaidh e fhéin us fear Smith a mach ann am bàta agus cha do thill esan. Bha droch amhrus air Smith gu robh làmh aige ’na bhàthadh, agus tha ’n t-amhrus a fás na’s làidire, oir tha Smith ag innse iomadh sgeul a thaobh mar thachair. Tha càirdean an fhir a bhàthadh a’ bruidhinn air am fear eile chur an sàs. CHAOCHAIL Honore Mercier ann am Montreal ’sa mhaduinn Di-màirt. Bha e tinn o chionn mios no dhà, agus bha dùil ri ’bhàs na h-uile latha o chionn da sheachdain. Rugadh e ’sa bhliadhna 1840, agus an deigh dha dhol troimh chùrsa colaiste, dh’ ionnsaich e bhi ’na fhear-lagha. Bha e treis a’ cur a mach paipear-naidheachd Frangach, agus bha e ’n deigh sin ’na fhear-pàrlamaid. Bho 1887 gu 1890 bha e ’na phriomhair air Cuibeic. BADDECK.—Bha sàcramaid na suipeir air a frithealadh air an t-Sàbaid s’a chaidh. Bha ’n t-Urr. D. Domhnullach, à Strathlathairn a cuideachadh an Urr. D. Dùghallach aig an t-seirbheis. Bha a’ Cheist aca air Dihaoine mar a b’ ábhaist, agus labhair àireamh mhath oirre. Air an t-Sàbaid bha ’n t-seirbheis Ghàilig aca aig aon uair deug ’sa mhaduinn, agus an t-seirbheis Bheurla aig trì uairean feasgar. Bha an eaglais lán aig gach tràth. MEAIRLE.—Tha na meairlich aig an obair fhéin, a deanamh ullachaidh air son a gheamhraidh le cuid chàich. Chaidh còt-uachdair a’ ghoid air duine àraidh aig té dhe na h-eaglaisean feasgar an la roimhe. Chaidh fiach dha no tri dhollar de bhathar a ghoid à carbad aig té de na stòraichean air a mheadhon-latha: agus air a mheadhon-oidhche fear fad-làmhach aìr choir-eigin a stigh do thigh chearc anns a bhaile agus dhe na bh’ ann de chearcan cha d’ fhág e ach na cinn. Tha ’n t-àm aig luchd lagha ’s ceartais feuchainn ri stad a chur air an obair ud. Cha dean math leigeil le luchd na braìde an cead fhein a bhi aca. POSAIDHEAN. Aig Beinn Stùbhart, E. I. P., leis an Urr. I. R. Coffin, an t-Urr. M. A. Mac Coinnich, Grannd River, C. B., ri Pricilla A. Scott. Air a 24mh la de October, leis an Urr. D. Drummond, Aonghas L. Mac Citheagain, Mheinn a Tuath, ri Anna C. Chann, Bras d’Or Mor. Aig na Narrows Bheaga alr a 4mh la de October, leis an Urr. A. Mac Rath, Coinneach Mac Asguill ri Cairistine Mhathanach. Aig Bridgeport an 23mh latha de October, leis an Urr. I. A. Mac Glaisein, Niall Domhnullach, Mira, ri Màiri S. Dhomhnullach, Bridgeport. BAIS. Aig an Amhuinn Mheadhonaich, an 18mh latha de October, an deigh tinneag fada air fhulaug le mor fhoighrdhinn, Cairistine, bean Choinnich ’Ic Gill-fhinnein, 61 bliadhna dh’ aois. Aig an Amhuinn Mheadhonaich, air an 21mh latha de October, Anna, bantrach Ghilleasbuig Dhùghallaich, 77 bliadhna dh’ aois. Aig Salem, Loch Lomond, an 26mh la de Ogust, Duffus Mac Cuish, 83 bliadhna dh’ aois. Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar. Cum Minard’s Linimet ’san tigh. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 142] [Vol. 3. No. 18. p. 6] MU THUARASDAL. Cha ’n e an t-aon thuarasdal a gheobh a h-uile seòrsa cosnaiche. Gheobh saor tuilleadh ri sgalaig, agus gheobh òrcheard tuilleadh ri saor; agus cha’n e fear a bhi ’g oibreachadh na’s goirte na fear eile dhiubh is coireach ris a’ chaochladh-thuarasdail. Tha obair na h-inntinn air an aon chur-h-uige ri obair a’ chuirp. Cléireach a’ phinn, air cho goirt ’s g’an oibrich e, cha ’n eil a thuarasdal cho mòr ri pàidheadh fir-lagha no lighiche. Uime sin tha e soilleir nach ann a réir goirtead na h-oibre, ach a réir a luach, a tha tuarasdal a’ chosnaiche. Ciamar ma ta a mheasar luach oibre? Tha luach oibre mar luach badhair no rud sa bith eile; tha e mòr no beag a réir a’ mhiagh no na foighneachd a bhios oirre; is e sin a réir cho duilich s a thà e a faotainn, Na ’m b’ e ’s gu ’m faighteadh punnd òir air cho beag dragh us costuis ri punnd luaidhe bhiodh an luaidhe cho luachmhor ris an òr. Ach ciod is coireach òrcheird us lighichean a bhi na ’s goiinne na saoir us sgalagan? Am briathran eile; carson a tha e na ’s dorra do dhuine faotainn a bhi ’n a òrcheard na ’n a sgalaig? Is e bonn a’ ghnothuich gu ’m beil an t-ionnsachadh a’ tighinn gu tuilleadh costuis. Cha ’n fhuilear do dhuine ùine mhòr a thoirt ag ionnsachadh a bhi ’n a òrcheard no ’n a lighiche mu ’m bi a’ chéard no an ealaidh aige air a làimh. Air chor ’s mur bi gu leóir aig duine gu cost air fhein ré na h-ùine sin, agus a thuilleadh air sin gu ’oid’-ionnsuich a phàidheadh, nach dian e an gnothuch. Agus cha chostadh duine sa bith air a mhac ag ionnsachadh a bhi ’n a òrcheard no ’n a lighiche, ged a bhiodh e ’n a chomas, mur biodh dùil aige, an lorg sin, gu ’n coisneadh e tuilleadh ri saor—nach d’fhimir idir uibhir a chost ris ag ionnsachadh na saorsainneachd. ’N a uaireannan air a shon sin meallar air duine ’n a dhùl. Mur bi togail aig gille, no ma bhios e gun dìcheall, gun suim, cha ’n ionnsuich e cèaird no ealaidh, co dhiu ach leth-chearbach; air dhòigh ’s gur call gun bhuannachd na chostar ris ’ga h-ionnsachadh. Ach cha n ’e na chostar ri lighiche ionnsachadh is coireach gu ’m pàidhear tuilleadh dha air son duine chur ’s a’ ghlun, na a pháidhear do shaor air son cas a chur am bòrd-bìdh, ach na lighichean a bhi gann. Leis an ionnsachadh a bhi costail, chi ’n eil ach àireamh chuibheasach a’ dol a dh-ionnsachadh na h-ealaidhe. Tha sin a’ fagail nan lighichean gann; uime sin is e goinnead nan lighichean a tha a’ togail am pàidhidh. Bho na thuirt mi, ma ta, tha e soilleir gur h-ann a réir pailtead no goinnead na h-oibre a tha a luach, cleas gach rud eile. Còrr-uair tha tàlann a’ seasamh do dhuine an àite costuis. Mar shamhladh air sin Piobaire no fear-ciùil sa bith nach eil Nádur lombais ris mu ’n alt a bhuileachadh air, bidh a dheich urad foighneachd air ris an dreangan a fhuair a’ cheart uibhir ionnsachaidh ris agus a tha an ealaidh ag cur móran tuillidh de spàirn air. Ach cleas gach oibre eile, is e goinnead luchd nan tàlann is coireach an tuarasdal a bhi na ’s motha. Tha luchd nan tàlann gann: uime gin tha an obair am barrachd miagh. Ach a thuilleadh air na dh’ ainmich mi tha oibrichean ann nach e costus-ionnsachaidh no tàlann a tha togail an tuarasdail. Is ann diubh sin obair sa bith a tha cunnartach, no neo-fhallain, no mi-thaitneach. Mur biodh an tuarasdal math, cha’n fhaighteadh duine idir a ghabhadh os làimh iad. Tha feadhain ann a tha ’n duil, ma thuiteas dhaibh a bhi ag obair na ’s goirte na feadhain eile, gur h-ana-ceartas e mur fhaigh iad tuilleadh tuarasdail riutha. Agus cha ’n eil teagamh nach anaceartas e, agus nach eileas ri ainneart orra, ma thathas a’ toirt orra, gun an coire fhein, oibreachadh air thuarasdal a thograr a thoirt daibh, amhuil ’s na traillean a tha aca ri oibreachadh a bhidh ’s aodach. B’ ainneart e mar so na ’n tugainnsa, mar gu’m b’ eadh, air urra sa bith, rud sa bith—obair, badhar, barr, no spréidh, a reic rium ge b’ oil leis, air a’ phris a thograinn fhein. Ach cha ’n ana-ceartas e, agus cha ’n ainneart, a thoil fhein a thoirt do dhuine a tha reic, no ceannach; ma ’s ann a’ reic, iarradh e a’ phris a thogras e; ma ’s ann ag ceannach tairgeadh e na chi e iomchuidh. Is reiceadair obre an cosnaich; is coannachadair a’ fear a the cur muinntirs air; uime sin is ceartas gu’m bi an toil-shaor aca le chèile. Bho shean bha lagh ann a shocruchadh an tuarasdail. Chuirteadh ubhla air duine sa bith a thairgeadh no a dh’ iarradh tuarasdal nach robh an lagh sin ag giulan. Ach is ann a bha lagh mar so ri tuilleadh croin no math. Bliadhnaichean bhiodh an tuarasdal cho mòr ’s nach b’ fhiach do thuathanach, mar gu’m b’ eadh, a chuid sgalag uile chumail; cha chumadh e ach an fheadhain a b’ fhearr, ’s leigead e mach an talamh; an sin bhiodh am barr ganu agus moran sluaigh a chion oibre. Air an laimh eile an uair a bhiodh an tuarasdal ìosal, bhiodh tuathanach ann a dhianadh luim air muinntireas a chur air rogha nan sgalag le sineadh-na-làimhe a thoirt daibh, agus neothar-thainig do ’n lagh. Bheireadh sin air tuathanaich eil’ an cleas ciadna a dhianamh; air chor ’s nach robh stàth sa bith ’s an lagh. Is i an doigh is fhearr sa bith a thoil fhein a thoirt do gach duine—’ reiceadh e no ceannaicheadh e air a phris a chi e iomchuidh. Tha feadhain eile ann a tha ’n duil gur h-ann a réir pris a’ bhidh a tha ’n tuarasdal ag éirigh ’s a’ tuiteam; tha iad a’ saoilsinn, an uair a dh’ éireas am biadh gur còir do ’n tuarasdal amhuil sin éirigh; air an làimh eile an uair a thuiteas am biadh gu’n tuit a rèir sin an tuarasdal; air chor’s gur coma do’n chosnaiche co-dhiu bhios am biadh saor no daor. Ach duine sa bith a ghabhas beachd air a’ chuis, tha e soilleir dha nach ann am meinn pris a’ bhìdh a tha éirigh no tuiteam an tuarasdail. Dh’ fhiach sinn muthrà gur h-e goinnead luchd-céird’ ealanta is coireach ri tuille tuarasdail a bhi aca na th’ aig na dubh-chosnaichean. Amhuil sin tra bhios an luchd-oibre gann éiridh an tuarasdal. An fheadhain a bhios a dh-easbhuidh chosnaichean, theid iad gu’n dùlan gu ’m faotainn, theid, a thairgsinn air a cheile, mar a bha iad a’ dianamh an toiseach an Astralia. Air cho saor ’s g’m bi am biadh cha ghabh duine sa bith tuarasdal beag, an là ’s gu ’m faigh e tuarasdal mòr. Uime sin cha’n ann am meinn prìs a’ bhìdh a tha eirigh no tuiteam an tuarasdail, ach a reir na foighneachd a th’ air obair. Tra a bhios na cosnaichean lìonmhar bidh an tuarasdal ìosal. Cha d’ fhág an sean-fhacal fhein urad sin gun an aire thoirt da: “Is misde na bochdan a bhi lìonmhar.” Air an làimh eile, an uair a bhios mòran am [TD 143] [Vol. 3. No. 18. p. 7] feum luchd-oibre, èiridh an tuarasdal. Tha cosnaichean gu minig an teinn nach ruigeadh iad a leas, le cion a bhi sealltainneach rompa. Bidh iad ag cur na coire air an atharrach, ach gu tric is iad fhein ceann na coire. An uair a bhios tuarasdal math aig duine, agus nach cuir e peighinn mu seach a dh’fheitheamh an latha fhlich, ach a chaitheas an òl ’s an eile, a’ tighinn suas bho ’n làimh gus an fhiacail, ciamar a bhitheas e ach ’n a éiginn tra a thig là nan cuileagan bàna, ’s a ghannaicheas an cbair ’s a thuiteas an tuarasdal. Gliocas bho ’n t-seillein:— Bha fannan feoir ann roimhe so, ’s bha e toiseach geamhraidh a bha ’sid an impis a bhi marbh leis an fhuachd ’s leis an acras, agus b’ eudar dha falbh air an tuath. Ràinig e an seillein ’s fhuair e ’n a shuidhe gu soimeach a stigh e, gun dìth, gun deireas, agus dh’ iarr e, air ghaol an iochd, an dèirc air. Thuirt an seillein ris gu ’m b’ iongantach leis uirèas a bhi air cho tràth de ’n bhliadhna ’s an samhradh a bhi cho math, agus dh’ fharraid e ciamar a chuir seachad teas na bliadhna. “O,” os am fannan, “chuir ag òl, ’s a’ seinn, ’s a’ dannsa, ’s cha do smaoinich mi riamh aìr gaillinn a’ gheamhraidh.” “Cha ’n e sin mo dhòigh-sa idir,” os an seillein, “tha mi saoithreachadh gu goirt rè an t-samhraidh a’ tional lòin air son a’ gheamhraidh, agus an fheadhain nach dian mar sin, air leam gur geal an airidh iad air a bhi ’n an teinn ’s a’ gheamhradh.”—An Gaidheal, 1876. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidhsan a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 144] [Vol. 3. No. 18. p. 8] Oidhche na Callainne an Tir Chein. Is tiamhaidh, trom, mo chridhe ’nochd, Is mi am aon’ran bochd leam fhéin; Chan iarr mi tàmh, chan fhaigh mi lochd, Is mi fo mhùig an dùthaich chéin. Is iomadh cuimhne thùrsach, throm, Tha dùsgadh bròin ’s ga m’ chur fo sprochd: ’S e thog an osna ann am chom Nach ’eil mi ’n Tir-nam-Beann a nochd. Tha Tir-nan-Beann mar bha i riamh— Gach gleann, is sliabh, is creag nam faobh, An creachann àrd ’s am bi am fiadh, ’S an leacann liath tha sios o ’thaobh. Tha fòs gach allt a’ leum le toirm, Bho chreig gu creig a sios gu tràigh; Tha bàrr an fhraoich fo ’bhadain ghorm’ Gu trom ’s gu dosrach mar a bha. Ach c’ àit’ a bheil na cáirdean gràidh. D’ an d’ thug mi bàigh an làithean m’ òig? ’S e fàth mo mhulaid is mo chràdh A mhéud ’s a tha dhiubh ’n diugh fo ’n fhòid. Athair mo ghràidh, chan ’eil e beo; Mo mhàthair chaomh, chan ’eil i ann, ’S mo cho-aoisean rinn falbh mar cheò A dh’ fhuadaichear le gaoth nam beann. O slàn le comunn caomh mo ghaoil, A chuireadh faoilt am chridhe bochd! Mo chreach chan ’eil iad air an t-saogh’l A dheanadh aobhach mise ’nochd. Ach tha iad beò an dùthaich chéin— An Tir-na-Gréin’, gun oidhch’ a chaoidh, ’S coinnichidh sinn a ris a chéil’, Gun sùil fo dheur, gan chrìdh’ a’ caoidh. Tha àl a’ falbh is àl a’ teachd, Mar thonn a’ leantainn tuinn ail tràigh; Ar bliadhnaichean, tha iad, gu beachd, Mar sgèulachd dhìomhain, gheàrr, gun stà. Ach glòir do Shlàn’ghear caomh nam buadh, A thug a nuas o Thìr-an-àigh Deagh sgéul an aoibhnis mhòir do’n t-sluagh, Air beatha bhuan nach mill am bás. Choisinn a bheatha so gu daor, ’N uair thaom o ’thaobh gach braon d’a fhuil; Ach O cia gràsmhor, fialaidh, saor, Do ’n chinne-dhaonn’ a h-àgh ’s a buil! C’ arson a bhithinn brònach, bochd, A’ caoidh fo sprochd an so leam fhéin? Do shùil, a Dhé, tha orms’ a nochd, Fo dheòraidheachd an dùthaich chéin. Cha bhi mi ’caoidh, cha toir mi géill; Fo thaic do sgéith gun iarr mi tamh; Do thoil-sa déanar leam, a Dhé, Ga m’ strìochdadh fhèin a chaoidh fo d’ làimh. Chaidh an dàn so a dheanamh leis an Urr. nach maireann Tormoid Mac Leoid, D. D., duine a rinn uire air son math na Gàidhlig ’s nan Gàidheal ’s g’un d’ fhuair e mar ainm “Caraid nan Gàidheal. Leis an tiormachd a bh’ann an cuid de na Stàitean an Iar air an t-samhradh so tha ’m feur ’s an talamh air a losgadh cho dona ’s nach eil dòigh aig spréidh air a bhi beó agus tha moran de na tuathanaich ’g am marbhadh air eagal am faicinn a’ bàsachadh leis an acras. Anns a’ bhliadhna 1850, cha robh ach tri fichead ’s aon mile deug (71) de rathad iaruinn ann an Canada air fad. Anns a bhliadhna 1867 bha da mhile da cheud ’s da fhichead ’sa h-ochd deug (2258) de mhiltean ann. Agus air a bhliadhna so tha suas ri sia mile deug (16,000) de mhiltean ann. Tha cuid ag ràdh gur dùthaich shlaodach fhadalach a tha ann an Canada, ach chan eil so gle choltch ris. Chuir duin’ àraid ann am Manchester ’an Sasuinn, fios gu Victoria ’an Columbia Bhreatunnach, leis an ‘telegraph,’ agus ghabh e beachd air an ùine ’thug am fios air an astar. Eadar a chur air falbh us fios-freagairt a bhi air ais, cha robh ach dìreach mionaid gu leth, B’e ’n t-astar a bh’ann, uile gu léir, ochd mìle deug de mhìltean. Rachadh fios, aig an luaths sin, ceithir-thimchioll an t-saoghail ann an dà mhionaid! Ceud bliadhna roimhe so, có a ghabhadh air fhéin a ràdh gu’n tigeadh an latha anns an gabhadh a leithid sin a dheanamh. Iadsan a Phaigh. Mairi E. Nic Neill, Gardiner Mines, (50c.) Eobhan Gillios, Bràigh Mhargare. Iain Peutan, S. W. Ridge, Mabou. Gilleasbuig Mac Phàil Orangedale. A. W. Peutan, Loch Lomond. E. I. Mac-an-t-Saoir, (25c.) R. Domhnullach, Am Bai ’n Ear. Alasdair Domhnullach, Salmon River. Aonghas Mac Gilleain, Catalone. Iain Mac Ritchie, New Campbellton, (25c.) M. R. Mac Neill, Benacadie Pond. Bean Iian ’Ic Diarmaid. Stirling. C. C. Dhomhnullach, South Cove. An t-Urr. R. MacGillebhràth, Lormore, N.S. Iain Ros, Ch’town, P. E. I. An t-Urr. R. Mac Gilleain, Valleyfield. Murachadh Mac Leoid, Iain D. Mac Leoid, Iain MacGill-fhinnein, Victoria Cross, ($2.00) SPRINGHILL.—Oidhche Di-luain s’a chaidh, chaidh losgadh air duine do’m b’ainm Crawford, agus cha’n eil mor choltas air gu’n tig e uaithe. Bha e a’ cluich air chairtean còmhla ri triùir Eadailteach, agus air do rud-eigin tighinn eatorra loisg fear dhiubh air. Bha ’n deoch orra na’n ceathrar. Tha Iompaire Ruisia beò fhathart, ach. Tha e sior dhol na’s miosa, agus tha e soillier nach eil moran saoghail roimhe. Thatan a deanamh gach ullachaidh a ghabhas deanamh air son a bhàis ann an Ruisia agus eadhon ann an duthchannan eile. Tha dg lighiche a, frithealadh air a latha ’sa dh’ oidhche, ach cha dean an sgil feum sam bith. Tha e air aithris gu bheil iad air a dhol bhar chéile gu dona mu dheaghainn an cuid dotaireachd, an darra fear a cur siòs air an fhear eìle. Tha Lighicahean cleachdadh M’ds Liniment Iarr Minards Liniment s na gabh ach e. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid. Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers>gai> dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. 1894. [TD 145] [Vol. 3. No. 19. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 10, 1894. No. 19 Litir a Valleyfield. Tha ’n dolair glé dhoirbh fhaotainn aig cho iosal ’sa tha prìs gach nì a tha ri reic aig muinntir aig an àm so, ach gheibh na fior chàirdean dolair a MHAC-TALLA, ann an rathad onarach, mas leig iad èis ro mhòr air ma ghabhas e deanamh idir. Tha mi ro thoilichte coslas soirbheachaidh a bhi ri fhaicinn air, agus bithidh an còrr ri fhaicinn ann am beagan ùine ma sheasas càirdean na Gàidhlig gu greimeil ri do ghuallainn, mar is còir dhaibh a dheanamh, agus mar tha àireamh mhath dhiubh a’ deanamh. Tha ’Ghàidhlig anns a’ chearnaidh so de Eilein a Phrionnsa, glé phailt fhathast, ach tha cuid mhòr a’ fàs glé choma dhe bhi ’ga labhairt. Tha na pàrantan òga ’smaoineachadh gu’m bi e na’s usadh do ’n clonn sgoil us fòghlum ionnsachadh ma bhios Beurla math aca an toiseach. Innsidh ùine ma tha sin mar sin. Dh’ fhaodainn fichead us córr ainmeachadh dhuit na ’n ceadaicheadh ùine dhomh, mar fhaisg da mhile dhomh, a chaidh ’na sgoil gun smid aca na’n cinn de Bheurla na’s mò na bh’aig mo sheana-mhàthair—’s bha sin glè bheag—agus a tha ’n diugh ann an inbhe àrd mar luchd-gnothuich, dotairean, pearsachan-eaglais, agus mar sin sios. Bha aon diubh sin, nach maireann, fad aona bliadhn’ deug na àrd fhear-amhairc-thairis air uile sgoiltean an Eilein (Chief Supt. of Education for P. E. Island.) Ma ni ’n linn a tha ag éiridh an dràsd, na’s fhearr, chi am fear a bhios fada beò e. ’N uair a thig na h-oidhcheannan fada geamhraidh, feuchaidh mi ri cùnntas a thoirt air ceud luchd-àitich an àite so, agus cia as a thàinig iad. Dean am feum a thogras tu dhe ’n litir so, agus am feum a’s fhearr as aithne dhuit dhe na còig dolair a tha innte, aon uam féin, ’s aon an urra o cheathrar de mo nàbuidhean (tha an ainmean air cùl so) fior Ghàidheil, a tha dileas do’n Ghàilig ’s do MHA-C TALLA. Is mise do charaid. IAIN D. FREAGAIRTEAN. Fhuair sinn ’na chuir D. B., thugainn á Ontario agus ni sinn feum dheth an ùine glé ghoraid. Moran taing do “Iain” agus do “Chona” air son na tha iad’ sgriobhadh dh’ an MHAC-TALLA. Bidh an t-òran a chuir ar caraide à Dunbheagain thugainn anns an ath àireamh. Cha b’ urrainn duinn a chur ’s an àireamh so. Tha sinn duilich gu’n d’ d’rinn sinn seòrsa de mhilleadh air an eachdraidh a sgriobh ar caraide, Murchadh Mac Laomuinn, mu Ghàidheil Eilein a Phrionnsa. Bha pios dhi nach robh air a chlo-bhualadh idir, ’s cha d’ thug sinn an aire dha gus an, robh sinn, o chionn ghoirid a sealltuinn thairis air an àireamh anns an robh e. Bhitheamaid fada ’n comain Mhurchaidh choir na ’n ath sgriobhadh e a chuid sin de ’n eachdraidh, agus ged chuireadh e uiread eile, no a dha uiread eile, rithe cha bu mhisde leinn dad e. Taing do Iain D. air son a litir, ’s air son an airgid a bha ’na doi Tha litrichean gle thaitneahh, agua is math linn a bhi ’gam faotainn, ach cha n-eil iad idir cho taiceil ris an alrgiod Bidh feadhainn a foighneachd dhinn am bheil diorbh a bhi ’cur cruinn na tha de naigheachdan’s de leughadh eile ’dol anns a phaipeir? agus faodaidh sinn a ràdh gu bheil gu dearbh; air uairean, bidh na naigheachdan gann ’s bidh gach ni eile gann. Ach cha n-eil suathadh aige sin ris cho doirbh sa tha e dhuinn an gnothuch a dheanamh as aonais airgid. Cha dean math a bhi tighinn thairis air; cha deanadh e ach dorran a chur orra-san a tha, coltach ri Iain D. ’sa cheathrar nàbuidhean, a deanamh an dleasanais, agus cha n-eil fhios an deanadh e feum sam bith dhaibh-san nach eil. Tha àireamh de sgriobhaidhean againn air cùl ar làimhe a gheibh àite cho luath ’sa ghabhas deanamh. Deas Fhreagairtean. Is iongantach cho ealamh, ’s cho sgaiteach ’s a gheibh cuid de dhaoine freagairt facail. Thuit dhomh feim a bhi ann an aite araidh far an robh cruinneachadh mon dhaoine. Thainig neach an lathad le steud-each briagh aige ’g a nochdadh. Am measg iomadh maise eile, bha sguab mhor earbuill air an each. Thuirt fear a bha ’n a shessamh dluth dha, uair no dha, “Nach aluinn an t-earball a th’air!” Thionndaidh am fear a bha an ceann an eich’s thuirt e gu spideil, “Am faca tu earball eich riamh roimhe,” ars’ am fear eile, “’s ann a chunnaic mi e daonnan ’n a dheigh!” Latha a bha Sir Walter Scott a’ marcachd thainig e gu cachaileith. Chuir am marcaiche a lamh ’n a phoca air son sea sgillinn, ach cha robh aige na bu lugha na tasdan; shin e do’n Eireannach e, ag radh, “Tha sea sgillinn agam ort” “Ma ta” ars’ esan, “gu’n robh sibh maireann gus am paigh mi sibh.” Air do dha dhuin’-uasal bhi ’gabhail an rathaid aon latha thachair Eireannach orra agus air do thoil a bhi aig fear dhiubh beagan feala-dha a dheanamh ris an Eireannach, thuirt e ris, “Na’m faigheadh an Droch-Spiorad a roghainn an ceart uair, co a shaoileadh tu a bheireadh e leis—thu fein no mise?” “Mise, gu cinnteach,” ars’ an t-Eireannach. “Carson sin?” ars’ an duin’-uasal. “A chionn gu bheil e cinnteach asad-sa aig àm ’s am bith!” J. W. Faigh a mach gach conndhe d’ theachd a steach, agus g’e b’ e ciod e, biodh e mor no beag, thig beo air ni’s lugha. A nis, dean so, agus cha bhi thu chaoidh bochd. [TD 146] [Vol. 3. No. 19. p. 2] LARACH NINEBHEH. (BHO FHEAR-TATHAICH NAM BEANN.) (Air leuntuinn.) Goirid ’n a dheigh so chuir na Mahomadanaich ’a bha mu ’n cuairt an aite stad air Mr. Layard ’s air a chuid daoine, a’ cumail a mach gu’n robh iad a’ milleadh uaighean nan fior Chriosduidhean (na Mahomadanaich!); ach dhearbh Mr. Layard gu ro sheolta dhoibh nach b’ uaighean Chreidmheach a bh’ annta; “oir (ars esan) nam b’ eadh bhiohh an dara cuid an ceann no ’n casan ri Meca (an t-aite ’s a bheil am faidhe breige Mahomaid adhlaichte); ach tha sibh a’ faicinn nach ann mar sin a tha, agus air an aobhar sin feumaidh gur uaighean Ana-creidmheach a th’ annta.” Leis a’ mhineach so bha na Mahomadnaich lan riaraichte, agus cha do chuir cuid eile de na cinn-chinnìdh ioma bacadh air; ach le siobhaltachd, ’s le gleusdachd fhuair e thairis orr’ uile. Aon la, ’n uair a bha iad a’ cladhach am measg nan laraichean, ruisg iad iomhaigh shnaidhte de mheudachd mhoir. Cho luath ’s a chunnaic na h-Arabaìch ceann na h-iomhaigh so, chrith iad le h-oillt agus thug dithis dhiubh as co luath ’s a ghiulaineadh an casan iad a chum an sealladh eagallach a chunnaic iad a chur an ceill d’an ceann-cinnidh. Ann am beagan uine, ’n uair a bha Mr. Layard a’ togail air falbh na h-urach a bha ’comhdach na h-iomhdigh, chual’ e talmraich chos a’ tarruing dluth dha, agus ’n uair a thug e suil os a chionn chunnaic e sgaoth de na h-Arabaich le’n ceann-feadhna, uile air mharcachd, ’n an seasamh air bruaich na daise. ’N uair a chunnaic iad ceann na h-iomhaigh, ghlaodh iad le aon ghuth, “Cha ’n ’eil dia ann ach Dia, agus ’s e Mahomad ’Fhaidhe!” Cha chreideadh na h-Arabaich an toiseach uach b’ e aon de na bocain, no de na h-urraisgean air a bheil iomradh ro thric ann an seann sgeulachdan an duthcha ’bh’ ann; ach an deigh moran iompaidh, ghlac an ceann-feadhna de mhisnich na theirinn do ’n t-sloc. ’N uair a laimhsich e’ ’n iomhaigh, ghlaodh e gu h-ard, “Cha d’ rinneadh an obair so riam le lamhan dhaoine,—’s iad na famhairean ana-creideach mu’m bheil am Faidhe—sith gu ’n robh maille ris! ag radh, gu’n robh iad na bu mho na chraobh a b’ airde ’s a’ choille—’s e so aon de na h-iodhalan a mhallaich Noah,—sith gu’n robh maille ris! roimh laithean na dile;” agus anns a ’bheachd so dh’ aontaich gach Arabach a bha ’lathair. ’N uair a shocraich na cuisean thoisich an luchd-cladhaich a rithis, agus mu ’n deach a ghrian fodha ruisg iad iomhaigh eile de’n aon mheud, ’s de ’n aon choltas ris a’ cheud aon. Aig na h-iomhaighean so bha aghaidhean mar aghaidh duine, bha ’n cuirp agus an cosan mar leoghain, agus bha sgiathan aca mar sgiathan iolaire. Bha gach aon diubh mu dhusan troidh air fad, agus mu’n tuaiream cheudn’ air airde! Leis an toil-intinn a ghabh Mr. Layard ris na h-iomhaighean so rinn e feisd ro mhor do na h-Arabaich air an oidhche sin, agus chaith e fein agus iadsan tacan maith ’an cuideachd a cheile, le mor chridhealas agus ghreadhnachas. Chomhdlcich Mr. Layard na h-iomhaighean so thairis le peallagan ’s le luirichean ioma-gnetheach, ’s chum e luchd faire orra ’latha ’s a dh-oidhche. “Is tric (ars (Mr. Layard) a sheas mi re ionad uair de thiom a’ dil-bheachdachadh air na h-iomhaighean miorbhuileach so. Re dha mhile gu leth bliadhha bha na samhlaidhean iongatach so air mòrachd Asiria air am folach o shealladh dhaoine; agus tha iad a nis air seasamh a mach ’n an seana mhòralachd aon uair eile! Ach O, cia mòr an t-atharrachadh a th’air gach ni mu’n cuairt doibh! Chaidh ìnnleachd agns sògh nan cinneach thréin a thùinich aon uair ’s a’ mhor-roinn so gu tur as as an t-sealladh, agus tha iad air an leantuin le bochduinn ’s le aineolas beagan de fhineachan borba. The beairteas nan teampull agus saibhreas nan bailtean-mora air an leantuinn le laraichean briste, ’s le duintean salachair. Thairis air an t-seomar anns an do sheas na dealbhan so chaidh an crann-treabhaidh, agus os an ceann ghearr corran a’ bhuanaiche an t-arbhar! Anns an Eiphit tha carrachan-cuimhne a gleidh an laruch anns gach linn agus a bha ghnath r’ am faicinn a’ cur an ceill a cumhachd, a h-uabhair ’s a h-innleachd ann an laithean a soirbheachaidh agus a cliu, ’n uair nach d’rinn na h-iomhaighean so ach an cinn a thogail eadhoin a nis à ’n seomraichean cadail udlaidh a thogail fiannus leis an fhaidhe gu’m’ bu chrann-seudair ann an Leabanon an t-Asirianaeh, le geugaibh maiseach, agus le sgaile dhorcha, agus le airde mhoir; agus bha a bharr am measg nam meangana tiugha. dh’ eirich ’airde suas os ceann uile chraobhan na machrach, agus bha a mheangana lion-mhor, agus dh’fhas a gheugan fada, le lionmhoireachd nan uisgeachan, an uair a sgaoil e mach. Rinn uile eun-laith nan speur an nìd ’n a gheugaibh, agus fuidh a gheugaibh rug uile bheathaichean na machrach an alach, agus fuidh a sgaile ghabh cruinneachadh mhoran chinneach comhnuidh. Air an aobhar sin, mar so tha an Tighearna Dia ag radh. A chionn gu ’n d’ rinn e uail as ’airde, agus gu’n do chuir e suas a bharr ann am meadhon nan neul, agns gu bheil a chridhe air a thogail suas ’n a airde; uime sin thug mise thairis e do laimh aoin chumhachdaich nan cinneach: buinidh esan gu laidir ris, dh’ fhuadaich mise a mach e air son a chionta.’”—Ecec. xxxi. Mu thoiseach an earraich, 1846, fhuaradh da iomhaigh mhor eile, car coltach ris a’ cheud dithis: agus goirid ’n a dheigh sin ruisgeadh aon seomar anns an d’ fhuaradh sea leoghainn deug, air an deanamh de mhiotailt ruadh, car coltach ri copar. Bha cuid diubh so nach robh thar oirleach air fad, agus cha robh an t-aon a bu mho dhiubh ach gann troidh air fad, agus bha iad uile ro sgeineil, chumachdail. Cha ’n ’eil teagamh air bith nach b’ iad so na diathan breige do ’n robh muinntir Ninebheh ag aoradh, agus tha e coltach gu’n robh na h-iomhaighean beaga so air an deanamh le luchd-ceird seolta, coltach ri Demetrius an ceard-airgid, a bha’ deanamh beairtis air taileabh saobh-chrabhadh an coimhearsnaich. ’S iad so “an iomhaigh shnaighte, agus an iomhaigh leaghta,” a tha Nahum, ag radh a ghearradh Iehobhah “a mach a tigh nan de:” agus da-rireadh tha na h-iomhaighean so a’ cur solus ro iongtantach air Nahum, ii. 11, 12. “C’ àit am bheil comhnuidh nan leoghann, agus aite-beathachaidh nan leoghainn oga? far an do ghluais an leoghann, an seann leoghann, agus cuilean an leoghainn, gun aon air bith a chur geilt orra. Reub an leoghann gu leoir air son o chuileana, agus mharbh e airson a leoghanna-boirionn, agus lion e a thuill le cobhartach agus agus ’uaimh le creich.” Mar so tha e coltach, gu ’n robh ann an teampuil nan diathan breige so, mar tha ghnath ri fhaotinn ’s gach aite de ’n t-saorsa, sagartan cuilbheartach a bha sior- [TD 147] [Vol. 3. No. 19. p. 3] sparradh air an luchd-aoraidh tabhartais a toirt a steach a bhiodh freagarrach do chail nan diathan, gus am biodh “an tuill air an lionadh le cobhartach, agus an uaimhean le creich;” air chor ’s gu ’n robh am pailteas aca fein a chum an ciocras a shasachadh. An uair a chualas an Lunainn an soirbheachadh a bh’ aig Mr. Layard am measg laraichean briste Ninebheh, chuir an Comunn aig c bheil riaghladh a’ Bhritish Museum, airgiod d’ a ionnsaidh a chum comhnadh a dheanamh leis ’s an obair mhoir ud. Cha’n ’eil e ’n comas duinne aig an am deicheamh cuid de na ruisgeadh de sheomraichean ’s de iomhaighean, de gach dealbh agus cumadh, a chur an ceill. Air iarrtas a’ Chomuinn cheudna phac Mr. Layard a’ chuid a b’ asa ’ghluasad de na h-iongantais a fhuair e, ann am bocsaichean, agus an deigh moran saothair a’s cosdais chaidh aig’ air an cur gu cladach, far an robh soitheach Breatunnach a’ feitheamh gu an gabhail air bord a chum an toirt do Lunainn. An deigh dealbhan na cuid nach b’ urrainnear a charachadh a tharuing air paipeir, chomhdaich e le h-uir iad, agus phill e do Shasunn. Cha ’n ’eil neach air bith a tha ’creidsinn gu’n do “labhair Dia o shean gu minic agus aìr iomadh doigh leis na faidhibh,” do nach toir na nithean a tha mar so air an toirt gu solus moran misnich, oir tha iad ’n an dearbhadh laidir, maille ri iomadh aon eile de’n nadur cheudna, gus an “teid aon lide no aon phuinc” de na labhair Dia “thairis, gus an coi’-lionar gach gach aon ni.” Biodh ar rioghachd-ne a’ foghlum gliocais o na larsichean briste air an robh sinn a nis a’ beachdachadh. Ma chaidh “crann seudair Leabanoin” a leagail agus “a mheangain a bhriseadh,” gabhadh “crannaibh na frithe” rabhadh, air eagal ’s gu ’m bi iadsan mar an ceudna “air an toirt thairis gu bas.” Ma bha Ninebheh, “uile ’n a ceilg agus lan de reubainn” air a caitheadh as le teine—ma “rinn Dia a h-uaigh a chionn gu’n robh i graineil,” ciod a thachras do bhailtean mora fuileachdach an ama so, nach ’eil a, pilltinn “o’n fhoirneart a ta ’n an lamhan!” Tha eachdraidh nan Impireachdan a chaidh seachd a’ cur an ceill gu soilleir gu’m feum rioghachdan uibhreach an t-saoghail tuiteam gu lar. Uime sin tha ’n Criosdaidh gu tric a’ miannachadh sgiathan a’ cholmain a bhe aige, chum gu ’n itealaicheadh e air falbh ’s gu’m biodh e aig fois—far am faigh e lan sheilbh air an “oighreachd a ta neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, a tha air a coimhead ’s na neamhaibh.” Ach ged a a rachadh rioghachdan an t-saoghail so as o na breitheanasaibh coitchionn mu ’n robh sinn a’ labhairt, gidheadh tha ’n t-am a teachd anns an “teid na neamhan agus an talamh thairis le toirm mhoir, agus anns an leaghar na duilean le dian theas.” “O’n theid gach ni mar so a sgrios, Mar fhuair sinn fios o Dhia, Nach inmchuidh dhuinn deasachadh Fa chomhair teachd a Triath? Cia naomh bu choir dhuinn bhi gach uair ’N ar smuain’, ’nar cainnt ’s ’n ar gniomh ’N uair tha ar suil ri crioch an t-saogh’l, ’S ri caochla gach aon ni?”. S. Bu choir do chomhairle tuiteam gu seimh mar an druchd, ’s cha ’n ann marr fhrois chlacha-meallain. Do na daoinibh treuna tha deagh shoirbheas agus droch shoirbheas, mar an lamh dheas agus an lamh chli; ach tha iad ’g an cur le cheile gu feum. Thuirt leanaabh araidh ri brathair athair gu’m bu choir dha a bhi faicioll ach gun dad ach airgiod cruaidh a bhi aige ’nuair a bhasaicheadh e air eagal ’s gun loisgeadh na notaichean an uair a ruigeadh e thall. Leighseadh mi o ghreim droma le MINARD’S LINIMENT. Two Rivers, N. S. ROB ROS. Leighseadh mi o amhaich ghoirt le MINARD’S LINIMENT. Antigonish. IAIN A. FOREY. Leighseadh mi o chrupadh féithean le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS. Na fàg ni sam bith gun dheanamh a ta freagarrach ann an cuis n’an obair a ta dligheach a bhi deunta. Measar cumhachd an duine leis an ni air an cuir e crioch, agns ni h-ann leis an ni air am feud e ionnsuidh a thabhairt. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 148] [Vol. 3. No. 19. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 10, 1894. Chaochail ALASDAIR AN III., Iompaire Ruisia, feasgar Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e ach da fhichead bliadhna ’sa naoi a dh’ aois, ’s cha robh e ’na Iompaire ach tri bliadhn’ deug. Chaidh ’athair agus tir Iompairean eile roimhe a chur gu bàs le làmhan fuilteach nan Nihilists, agus thug iad iomadh garg-ionnsuidh air fhéin o’n thàinig e gu bhi ’na fhearriaghlaidh, ach a dh’ aindeoin gach innleachd a rinn iad, bhàsaich e ann an sìth air a leaba. Bha e ’na dhuine air an robh deagh mheas, agus bi’dh ionndrain air anns an Roinn-Eòrpa air fad, a chionn gu robh e ’n cómhnuidh a’ stri ri sìth a ghleidheadh eadar na rioghachdan. Cha ’n eil ’na mhac a tha ’dol ’na àite ach duin’ òg. Tha deuchainnean againn mar bhalaist doin luing; tha iad gu tric ’g ar cumail gun dol thairis. An uair a tha moran againn r’a ghiulan ni am Freaadal an druim freagarrach air son na h-uallaich. An uair nach ’eil ni sam dith againn r’a ghiulan, Feudaidh an long luchdaichte a bhi mall ann an ruigheachd chum a calaidh fein, ach tha e cunnartach nach ruig an long eutrom an caladh gu brath. An uair a chith sinn duinne do’m bheil speis aig na h-uile, feudaidh sinn a bhi cinnteach g’ e b’ e co dona ’s gu’m bheil a’ chliu, gu’m bheil deagh-bhuaidhean araidh dluth-cheangailte ris, agus sin ann an tomhas mor. Fhuaireadh cnap de dh’ òmar-glas (ambergris) air cladach Bhroad Cove an là roimhe, la fear Deòrsa Ros. ’S ann glé ainneamh a gheibheir mir dhe’n stuth sin air cladach cho fada tuath; ’s ann mu chladaichean na Mara Innseanaich a’s trice gheobhair e. Tha e ’fás ann am broinn nam mucan-mara, agus tha fàile anabarrach cùbhraidh dheth. Tha e ’na ni glé luachmhor. ’S fhiach an cnap so a fhuaireadh aig Broad Cove tri mile dolair. Tha na Frangaich a’ feuchainn ri nàisinich Mhadagasgar a thoirt gu striochdadh, ach cha n-e sin an soirbh. Tha ’n cùnntas mu dheireadh a fhuaras as an dùthaich sinn ag innseadh gu bheil iad a’ cur nan Frangach gu’n dùbhlan ’s ag radh ma sthriochdas iad dhaibh gur annt an uair is fheirdar dhaibh. Tha gach seòrs’ aodaich a thatar a’ deanamh ann Pictou, am mullean “Eureka” ’ga chreic ann an Glace Bay an dràsd, mu, choitneamh àite ’n tàilleir ’Ic Leoid. Tha na h-aodaichean math agus tha iad saor. Ged is iomadh ionnsuidh a thugadh air ceann-a-tuath an t-saoghail a ruigheachd, ’s ged chaidh ioma duine dhith air a thàilleabh, cha d’ fhuair duine riamh na b’ fhaisge air na ceithir cheud mile. Cha cheaird ùr idir ceaird nam fear-laghaoanns. Bha fir-lagha Eipeit 2300 bliadhna romh Chriosd. Flur math air $3.50 a dh’argiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. JOST BROS. Iadsan a Phaigh. Seumas I. Mac Gilleain, Meadows. Aonghas Mac Asguill‘ Rudha ’n Rothaich. Domhnull Mac Neill Gleann Ainslie. D. I. Mac Leoid, Sidni. Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira. An t. Urr. D. Drummond, Boulardarie. Ailein R. Mac Neill, Glace Bay. D. I. Mac Dhiarmaid, Hay Cove. Niall Mac Coinnich Cape Geo. Harbor. Eobhan Mac Colla. Strathroy, Ont. Murcha C. Murray, Milan, Que. An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore, N S. Iain I. Siosal, Pictou. D. A. Mac Coinnich, Dartmouth. Iain Mac Fhionghain, Allt-a-Bhaillidh. Minards Liniment air son Loine. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. Mac Eachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 149] [Vol. 3. No. 19. p. 5] NAIDHEACHDAN. BHA ’n rionnach glé phailt aig beul na h-acarsaid so re na seachdain a chaidh seachad. THA na h-uidhean glé ghann ann an Sidni aig an àm so. cho gann ’s nach mor gu bheil gin ri’m faighinn idir. BHA coinneamh Cléire ann an eaglais St. Andrew’s Di-ciaduin. Bha àireamh mhath de na ministearan aig a choinneamh. FHUAIREADH té Norah Smith, marbh ’na leabaidh ann am Montreal ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich, agus tha na h-uile choltas gu ’m ann air a puinnseanachadh a bha i. CHAIDH muillean-lochdraidh a’ losgaidh ann an Shubenacadie air an t-seachdain s’a chaidh. B’ fhiach gach ni a bh’ ann ceithir mile dolair. Cha robh airgiod urrais air sion. FHUAIREADH beagan de shuidheagan àrda, ’s iad làn abuich, ri taobh an rathaid eadar Sidni Tuath ’s a Mhéinn, Di-luaih s’a chaidh. Cha’n ell sin cho dona do dhùthaich fhuar mar tha Ceap Breàtunn. CHAIDH càin a chur air fear Ailein Mac Curdy, ann am Musquodobit o chionn ghoirid, air son droch ghabhail air each. Bha an t-each rag agus smaoinich e gu’n toireadh e gu rathad e le gabhail air. Tha sinn a’ cluiuntinn gu bheilear an deigh méinn ghuail fhaighinn ann an Ingonish. Cha’n eil teagamh nach eil gual ri fhaotainn am falach ann an iomadh cearna de’n eilein so, anns nach deachas ’g a iarraidh fhathast. Chaidh dà phoit-dhubh a ghlacadh ann an siorramachd Inbhirnis air an t-seachdain s’a chaidh, té ann an Gleann-Comhain, agus té eile aig Méinnean Guail Mhabou. Bha roinn mhath dhe’n stuth air a ghlacadh cuideachd. THA ’n t-Urr. Coinneach Domhnullach, sagart Mhàbou, an deigh am paraisde a leigeadh dheth, agus tha an t-Urr. Iain Mac-a-Mhaighstir gu bhi ’na àite. Tha Maighstir Coinneach ann am paraisde Mhàbou o chionn glé fhaisg air deich bliadhna fichead. THA caraide sgriobhadh d’ ar n-ionnsuidh o thaobh Loch Lòmond ag innse gu ’n deachaidh duine air chall anns a choìlle ann an sin o chionn àireamh lathaichean, agus nach d’ fhuaireadh sgeul aìr fhathast. Tha buidheann dhaoine a’ siubhal nan coiltean gach latha ag iarrardh a chuirp. CHAIDH nighean bheag, aois cheithir bliadhna, le Calum Mac Néill (Gobha) aig méinn a’ Reserve, a’ losgadh cho dona ’s nach robh i beò ach ùine glé ghoirid. Bha i fhéin us dithis bheag’ eile, a piuthar ’sa bràthair, a’ cleasach le teine beag a rinn iad anns a’ choille faisg air an dachaidh. Chaidh ise chur ultach de chairt air an teine, agus ghabh a h-aodach teine. ’N uair thàinig a bràthair far an robh i, bha ’h-aodach air a losgadh dhith. Thugadh am pàisde bochd dhachaidh, agus an deigh dhi bhi ann an cràdh dheich uairean, chaochail i, BHA fear Iacob Dalmage, a bha ’cumail tigh-a-phosta ann an Lacombe, N. W. T., o chionn ghoirid air fhaotainn ciontach de chumail airgid a bhuineadh do mhuinntir eile, ’s ’ga chur ’na fheum fhéin. Co-luath ’sa thuig e gu robhas a’ dol ’ga chur an greim, dh’ òl e deoch de stuth puinnseanta agus mar sin chuir e crioch air fhéin. STOIRM MHOR.—Bha ’n t-sìde gu math stoirmeil againn ann an so toiseach na seachdain, ach bu shuarach e seach mar bha i aca ’n àiteachan eile. Air cladach an ear nan Stàitean cho fada deas ri Connecticut, agus a tuath cho fada ri New Brunswick, bha ’n stoirm anabarrach trom, agus rinneadh call mòr leatha. Ann an New Haven, ’am Boston, agus ’n St. John, rinn an stoirm troimhe-chéile mhor, a’ leagail phostaichean ‘telegraph’ us ‘telephone’ ’sa cur nan ‘wireichean’ am measg a chéile. Bha chùis cho dona ann an St. John ’s gu’m b’ fheudar na taighean a bha cumail soluis ris a bhaile a dhùnadh air eagal gu’n deante cron, agus chuir a mhòr chuìd de shluagh a bhaile sin oidhche Mhàrt seachad ann an dubh-dhorchadas. Cha n-fhiosrach sinn gu’n robh call beatha sam bith an lorg na stoirme. CALL SOITHICH.—Chaidh soitheach do ’m b’ ainm “Annie M. Pride,” a bhristeadh air na creagan aig Bear Cove faisg air Halifax, mu bheul an latha Di-màirt, agus cha do shàbhaileadh duine dhe na bh’ air bòrd. Cha’n eil fhios le cinnt cia meud e bh’ann, oir cha n-fhacas leothasan a chunnaic i ’dol air na creagan, ach an aon dùine bh’air an stiùir. Ach tha iad a deanamh dheth gu robh air a chuid bu leigha cearthar air bòrd, agus theagamh, sianar no seachdnar. Bha ’n soitheach air a turus eadar Màbou, C. B. us Halifax, a’ giulain luchd éisg. Tha e air aithris gu robh dithis de nigheanan òga a mhuinntir Cheap Breatuiun a’ gabhail turuis oirre, agus ma bha sin mar sin, bha iad air a call còmhla ri càch. Bha gille beag leis a chaiptein, aois aona bliadhn’ deug, reir coltais air bòrd cuideachd. Bhuineadh an Caiptean do Yarmouth. POSAIDHEAN. Ann am Port Morien, air a 25mh la de dh’ October, leis an Urr. Uilleam Grannd, Calum Mac Fhionghain, ri Peigi Nic Asguill, le chéile á South Bar. Anns a Bhai-’n-Iar, air an 19mh la de dh’ October, leis an Urr. A. Mac Ill-mhaoil; Niall MacGilleain, ri Cairistine Nic Fhearghais. Ann an Sidni Mines, Oct. an 24mh leis an Urr. D. MacIlle-mhaoil, Gilleasbuig Peutan, ri Cairistine A. Dhomhnullach, le chéille à Leitche’s Creek. BAIS. Ann am Margaree (’n ear-tuath) air an 28mh la de October, Tormoid Mac-a-Phearsain, 69 bliadhna dh’aois. Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar. Cum Minard’s Linimet ’san tigh. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 150] [Vol. 3. No. 19. p. 6] Am Madadh-alluidh agus na Seachdnar Ghobhair Oga. Anns an àm a chaidh, bha scana-ghobhar ann, aig an robh seachdnar ghobhar òga agus ghradhichd si iad, mar is abhuist do mhathar a paisdean a ghradhachadh. La a bh’ ann bha i deonach dol do’n choille agus lon a sholaradh agus ghairm i na seachdnar g a h-ionnsuidh ’us thuirt i: Tha mis a dol a mach do’n choille; thoribh fanear uach toir am Madadh-alluidh an car asaibh na’n tigeadh e steach mar seo, is cinnteach gun ich (ith) e sibhs eadar bhian ’us chalg. Bi an glamhsair ag atharrachadh a choslas gu tric ach air a chasan dhubha agus air a ghuth gharbh, bi sibh ga aithnichinn. Dh’eigh iad mar aon, coma leibh, bheir sinn an làn-aire, cha ruig sibh leas smuain a ghabhail oirnn. An sin thug i oirre, a’ meìlich agus a’ deanamh sòlas di fein air an rathad. Cha b’ fhad a bha i air falbh, nuair thaing neach eiginn. do’n dorus, a bhuail air agus a thuirt; Fosglaibh a Chloinn. Is mis ’ur mathair agus thug mi leam rud-eiginn air ur son. Ach dh’aithnich na seachdnar, air a ghuth garbh, gur e am Madadh-alluidh a bh’ann, agus dh eigh iad. Cha-’n-fhosgail cha’n thus’ ar mathair idir tha aig ar mathair guth glan binn, agus tha do ghuth garbh. Is tus’ àm Madadh-alluidh. Dh’imich Madadh-alluidh dh’ionnsuidh am marsanta agus cheannaich e dha fein meall mòr de chailce gheal, dh’ith e sin agus rinn se a ghuth binn. Thaing se a rithisd bhuail e aig an doras agus thuirt e: “Fosglaibh a Chloinn ionmhuinn si ur matair a th’ ann agus thug i leatha rud-eiginn do gach gin agaibh. Ach leig am Madadh alluidh a chas ’san uinneig, chunnaic na seashdnar seo, ’s dh’ eigh iad. Cha-’n-fhosgail, cha-’n-’eil aig ar mathair ne, cas cho dubh ri sin. Is tus ’am Madadh-alluidh. Dh’ fhalbh am Madadh-alluidh ’na dheann gu ruige fuineadair ’us thuirt e. Tha an deigh chas a ghoiteachadh cuir taois’ air an sin ghabh e ’na dheann ruith gu ruige muillear ’us thuirt e. Cuir falluid de’n mhìn bhain air mo chas, ach shoileadh leis a mhuillear gu’n robh am Madadh-alluigh air tì neach eiginn a mhealladh agus chaidh e ’n imcheist; ach labhair am Mahadh-alluigh mur cuir, tha mi ’gealltuinn gun ich mis thu. Ghabh am muillear an t-eagal agus rinn e mar a dh’iarradh air. Nach neonach na daoine? A nis an treas uair thainig am Madadh-alluidh do ’n dorus, bhuail se, agus thuirt e. Fosglaibh, a Chloìnn tha ur mathair ghradhach air teachd dhachaidh as a choille, agus tha aice rud math eiginn aìrson gach aon agaibh. Ach dh’ eigh na seachdnar comhla, leig fhaicinn dhuinn do chas’ an toiseach chum ’s gum bi fios da rireadh againn, gum beil ar mathair gu dearbh ann. Leig am Madadh-alluidh a chas ’s an uinneig agus an uair a chunnaic iad gun robh e bàn, chreid iad gun robh gach ni gu ceart, agus dh’ fhosgail iad an dorus. Ach am fear a thainig a steach, b’e am Madadh-alluidh e. Dh’ oilltich iad roimhe, agus shonruich gach aon aite-folaich dha fein. Ghabh fear dhiu fo ’n bhord, fear eile anns an leabidh, an treas fear anns an àmhunn, an ceathramh anns a’ chuilidh, an coigeamh anns an amraidh, an seathamh fo ’n soitheach-phluidsearachd, agus an seachdamh ann am bolg an uaireadair mhòir. Ach cha deach leo, saor o ’n fhear óg anns an uaireadair, fhuair am Madadh-alluidh amach iad uile, agus rinn e an gnothach orra. An deigh dha a chìocras a shàsuchadh, thriall e mach do ’n mhiadan agus leig se glag dhe fein fo chraoibh mhòir, a bha siud, agus chaidh e na chadal. Cha b’ fhad an deigh sin nuair thainig an Seana-ghobhar dhachaidh, ach ciod e an ni seo a bha i gu bhi faicinn ann. An dorus air fhosgladh, am bord agus na cathraichean air an tilgel bun-os-cionn, an soitheach-pluidsearachd ’na laidhe na spealgan, agus aodaich ’s cluasagan na leapa air an tilgeadh air an ùrlar. Rannsuich i an taigh a’ sireadh a cuid leanaban ’us cha d’ fhuar i iad. Ghairm i air ainm orra, ’us cha d’ thug neach feairt, gus an d’ thainig i air ainm an fhir a b’ oige. An sin fhreagair guth min ciùin. Mhathair, tha mi ann am broinn an uaireadair. Tharruing i a mach e agus dh’ innis e dhi mar thachair; gun d’ thainig am Madadh-alluidh agus gun robh cach air an slugadh, agus cha saoil sibh mar a ghuil ’s mar a chaoidh i, ag caoineadh a cuid cloinne. Mu dheireadh chaidh i mach agus lean am fear óg i. Nuair a rainig i am miadan, bha am Madadh-alluidh an sin na laidh fo’n chraoibh, na chadal fathast. Dh’ amhairc i gu geur air, o gach uile taobh agus chunnaic i gun robh rud eiginn a’ caruchadh agus a’ tionndadh no bhroinn. A chiall, ars’ ìs’, mo chlann bhochd; a bha mar ghreim-cubhaig aig an uile-bheisd, am faod e bhi, gu bheil iad beo ’na mhaodail fathast. B’ eigin do ’n ghobhar òg an taigh a ruigsinn, agus sgian, snathad, us snath a thoirt leis; ni a rinn e na h-uile chabhag. An sin ghearr a mhathair fosgailt bru an uile-bheisd, agus mas gann a rinn i an darna srad, chuir fear de na gobhar òga a cheann amach troimh ’n tóll, agus mar a ghearr i air aghart thainig fear amach as deigh fir gus an robh iad uile deas. Agus co ach iadsan, nach b’iad a bha toilichte a bhi beo a rithisd. Chaidh iad air mhìre ag iomairt agus a’ruaig a cheil, ach thubhairt am mathair. Trothadaibh fòs, thoiribh leibh clachan mòra, agus lionaidh sinn bru an fhir seo, mun dùisg e. Shlaod iad na clachan leo, agus chuir siad a steach na bhroinn iad, a liuthad ’s a b’ urrainn iad a chur ann agus dh’ fhuaigheil iad ri cheile a rithisd e, cho sgiobalta ’s nach d’ fhairich e dad, ’s nach do charuich se idir. Nuair a mhosgail am Madadh-alluidh bha pathadh cho mòr air, s’ gun robh e deonach, dol do ’n fhuaran agus deoch fhaighinn às. Agus an àm eirigh dha, thoisich nan clachan air braoidhleich air a cheile ’us thuirt e. Ciod e an ni seo a thachair dhomh, na gobhair òga a shaoil mi a bhi na mo bhroinn tha iad cho cruaidh ’us cho trom ri’ clachan mòra. Agus air ruigsinn an fhuarain dha, agus air cromadh os cionn an uisge dha, chum deoch a ghabhail, thug tromadas nan clach air tuitean a steach an comhair a chinn, agus chaidh a bhathadh gu muladach. An uair a chunnaic na gobhair òga seo, thainig iad ’nad ruith, ’s ’nan ruaig, a’ leumraich, a’ danns’ agus a seinn. Chaochail am Madadh-alluidh-Chaochail am Madadh-alluidh. Sgeul Gearmailteach, air a h-eadar-theangachadh le GALL-GHAIDHEAL. So an t’àm air son cur a dh’iarraidh a MHAC-TALLA. Tha na h-oidhcheannan a’ fàs fada, agus cha’n eil sion ann as fearr air an cur seachad na bhi leughadh a phaipeir Ghailig. Cuir thugainn dolair ’s gheibh thu e uaithhe so gu deireadh na h-ath bhliadhna. [TD 151] [Vol. 3. No. 19. p. 7] Oraid. Le mearachd a rinneadh an àm a bhi cho-bhualadh na h-òraid a bha air a cheud taobh-duilleig dhe’n aireamh mu dheireada, bha na leanas air fhagail as:— Thatar ag radh gur e is crioch do gach comunn dealachadh, ach cha chualas guth air a sgapadh fhathast. Tha mi ’an dochas gum bi e la ’us bliadhna, agus moran bhliadhnachan an deigh sln mas teid sgaoileadh ann, agus an la a theid, is cinnteach mis’ gum bi cumhne air call air iomadh ni a threig, agus cha chreid mi gum bi focal r’ a chluinntinn air oidhche shamhna fein. GALL-GHAIDHEAL. Bha an talamh geal ’sa mhaduinn an dè le sneachda ’shil air feadh na h-oidhche, agus a lean air sileadh fad an latha Bha chuid mhor dheth a leaghadh air an talamh agus a deanamh puill air rathad. ’S e so a’cheud shneachda bha’aginn air a gheamhradh. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLOIMH. THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH, Baddeck C. B. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 152] [Vol. 3. No. 19. p. 8] ORAN NAN FASAN. Rinneadh an t-oran so o chionn corr is fichead bliadhna le Domhnull Mac Rruairidh, no mar a theirear gu cumanta ris ann am Beinn-a-bhaoghla, Domhnull mac Iain ’ic Aonghais, air dha bhith’ gabhail beachd air mar a bha nigheannan òga na dùthchadh air an èideadh ann am fasanan ùra na Galldachd. Tha Dòmhnull na dheagh bhàrd. Rinn e iomadh òran, agus cha’n ’eil a h-aon diubh air dheireadh air an òran so. Bha e air a chlo-bhualadh o chionn iomadh bliadhna, ach gad a bha, tha mi creidsinn gu’n còrd e ri iomadh aon de lucd-leughaidh a’ MHIC-TALLA. Tha Domhnall beò, slan fhathast, Ged is e an aon bhrathair athar a tha beò agam cha’n fhaca mi e o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha dòchas agam gu faic mi e an ùine gun bhith fada, ma bhios sinn beò le cheile. Ma tha h-aon de’n mhuinntir a chaidh do Mhanitoba a Beinn-a-bhaoghta a’ leughrdh a’ MHIC-TALLA, ùraichidh an t-òran so dhaibh iomadh ni mu’n t-seanu dùthaich. So agaibh an t-òran facal air an fhacal mar a rinneadh e IAIN. ’S tiom dhomh teannadh ri m’ òran A chur ann an òrdan A dh’ innseadh cho pròiseil ’S a tha òigridh na tìr’; ’S beag ad t-ioghnadh luchd-orduigh A bhith ’gearain an comhnuidh, Air na h-adachan connlaich; Oir tha mòran dhiubh innt’: Tha luchd-teagaisg an àite, A’ toirt ruith air an caineadh, Aig cho beag ’s a tha ’nair’ ant’, ’S mar a chnàmh iad an tìr; Ged bhiodh airgiodh a’ chrùin ac’, Gu’n cuireadh iad ump’ e Ann am fasanan ùra; ’S aobhar thùrs’ bhith ’ga inns’. Ged a theanuainn ri àireamh ’H-uile fasan tha ’n dràst’ ac’, O nach d’ ionnsaich mi “Grammar,” Cha dean Gàilig a’ chùis Air na h-ainmeanan neònach, A tha ’n diugh aig an òigridh Air na h-èididhean bòidheach ’Tha ’gan comhdach as ùr; Bidh “parinn” air an guaillean, Is “pelisse” mun a’ chruachan, ’S “frills” eil’ ac’ air fhuaigheal A’ dol mu’n cuairt aig a’ ghlùin; Bidh “elastic” ’s na brògan ’S “Cordovan” anns a’ chorr dhiubh; Le’n cuid sgàileanan bòidheach A’ comhdach an sùl. Sid na fasanan mealltach, Thàinig ugainn bhar Ghalldachd, Uireadh cléibh air a’ cheann ac’ ’S chota teann uime shìod’: Le’n cuid aodaichean aachdair ’S beag a chumas de’n fhuachd thiubh, “Doubie-skirt” air an cruchan— Co ’s ullaich’ na sibh! Mar gu faiceadh tu bàta, ’Bhiodh a’ tighinn bhar sàile, Bhiod am “peak” air a thearnadh, A’ tighinn a mhàn thun a’ chroinn, “Reef” ’san “tack” ac’ gun fhuasgladh, ’S iad a’ coiseachd gu h-uallach, Le ’n cuid phutanan suaicheant’, Feuch am buaig iad fear clì. Sid na maighdeanan guamach ’Bhios a’ casadh an gruaige, Agus “pad” air a shuaineadh An lagan cruaidh chùl an cinn; Le ’n cuid adachan neònach Sios a’ falach an sròine, ’N deis an cur ann am òrdugh Gu bóidheach le sìod’: ’S iad a thionndas gu h-ullach, Ma bhios fleasgach ri ’n gualainn Feuch an detn iad a bhuaireadh— O mo thruaigheagan sibh! Ged a dheanadh tu ’m pòsadh, ’S doirbh an cumail an òrdugh. ’S nach dean iad car dòigheil Gus an òl iad an tì. Sid an tì ’rinn an aimlisg O’n a thàinig i dh’ Alba ’S beag a chunnaic ar seanamhair Dhi, gu dearbha ri’ linn; ’S luibh, gu cinnteach, ro shearbh i, Tha i ’goid uainn an airgid; Mur a sguir sibh dhe ’h-eanruich, ’S ann a mharbhas i sibh: Ged a gheibheadh sibh pàisde Cha ’n urrainn sibh ’árach, Bidh ’ur cridhe ’ga fhàsgadh Leis à’ chràmh a tha innt’; Gheibh sibh botul an uair sin, ’S piob a dh’ “Indian” suas ann; ’S beag an t-ioghnadh an sluagh sin A bhith, mo thruaighe, gun chlì! Ma thig cogadh no cruadal, ’S olc an urra ’n càs cruaidh iad, Bidh an naimhdean an uachdar, O’n chaill an sluagh ud an clì: O nach deachaidh an àrach Leis a’ chìch aig am màthaìr, Cha bhi tapadh no tàbhachd Anns an àl ud ’n àm strì; ’S beag an t-ioghnadh na truaghain A bhith gun ghaisgeadh gun chruadal, O’n a chreachadh an tuath-chéath’rn ’S a thugadh uatha gach ni; ’S nach ’eil sìon a bhios sughar, No ’chinneas ’san dùthaich, Nach toir soitheach na smùide An ceann gach ùin’ as an tìr. Tha Mr. Iain Gunn, a bha o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ’na fhear-sealltuinn-thairis air na sgoiltean ann an siorramachdan Inbhirnis us Victoria, an deigh an dreuchd sin a leigeadh uaithe, agus tha ’n t-Onarach Iain Mac Fhionghain, Hogamah, air a chur ’na àite. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $ 1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. 1894. Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig UILLEAN W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatunn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 153] [Vol. 3. No. 20. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 17, 1894. No. 20. Eagal. Tha mòran dhaoine ann a tha ro bhuailteach a dh’eagal. An àm a’ Gheamhraidh an uair a tha’n oidhche fada, dorcha, tha iad so cho gealtach ’s nach tèid iad a mach air na dorsan mur bi neach eiginn maille riu. Anns an latha, agus anns an oidhche shoilleir Shàmhraidh théid iad a mach gun fhiamh gun eagal. Ma tha gus nach ’eil iad fhèin ’g a thoirt fa near ’s e an an-earbsa a th’aca ann an gleidheadh Dhé a’s coireach gu bheil iad cho gealteach. Dh’fhaodadh iad a thoirt fa near gu bheil Dia a cheart cho cumhachdach air an oidhche ’s a tha e air an latha. Is co-ionnan an dorchadas dha ris an t-solus. Iadsan uile a dh’ earbas iad fhéin ris bidh iad air an gleidheadh o gach cunnart anns an oidhche is duirche e cheart cho math ’s ged a b’ e àird a’ mheadhon-latha a a bhiodh ann. Is ann an uair a tha sinn a muigh air cheann ar dleasdanais anns an latha, cho math is anns an oidhche, a dh’ fhaodas sinn a bith làn-chinnteach gu ’n gléidh e sinn. Ge b’ àite do ’m bi sinn air ar gairm air cheann ar dleasdanais rachamaid ann, an earbsa ri gleidheadh Dhé, agus cha ’n éirich beud dhuinn. Ach mur a bi sinn ag earbsa ann an Dia an còmhnuidh faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’n cuir an t-eagal dragh oirnn. “Ni a’ chogais chiontach gealtairean do na h-uile.” IAIN. Thoir a cheartas fhein do gach neach. Na dean iasg de’n dara neach agus feòil de’n neach eile. Thoir ’àite fhein do gach neach. Ma ni thu so cha chum thu comun ris a h-uile neach. Cha’n urrainn thu comunn a chumail ris an olc agus ris a’ math. Cha’n ’eil feum sam bith teannadh ri comhairle a thoirt air daoine anns neach ’eil reusan. Cha’n ’eil iad ann an staid inntinn anns an tuig iad reusonachadh. Litir bho Chabar-Feigh. Tha’n Class Gaidhlig (no mar bhaist iad iad-fein am bliadhna “Comunn Gaidhealach Lunnainn”) a nis air dol an dòigh airson obair a gheamhraidh. Tha’n Class mar a bha e ’n uiridh air a roinn na dha bhuidhean. Tha ’m fear a’s airde ’ris fodh churam an Lighich Mac Gilliosa agus am fear eile air a theagasg le Mr Ian Mac Coinnich. Tha aireamh mhath de sgoilearn ùra air tighinn a dh’ionnsaidh a chlass am bliadhna, agus tha na h-uile coltas air gu ’m bi an soirbheachadh sin aige ’tha an oidhirp a toilltinn. Tha mi cinnteach gu’m bi e ’toirt mor-tholeachas do leughadairean “MHIC TALLA” anns gach cearn de’n t-saoghail a bhi cluinntinn gu’m beil fhathast daoine againn anns a bhaile so anns am beil urrad de spiorad nam fior-gàidheal ’s nach eil iad a caomhnadh aon chuid an ùine no am maoin ann a bhi cumail suas agus a teagasg cainnt ar gaoil. Aig ciad choinneamh chlass air a cheathramh la de’n mhios so thug an Lighich MacGilliosa oraid ghasda seachad air “a Ghaidhlig; carson a tha i air a h-ionnsachadh agus air a cumail suas.” Chionn ’s gu’n robh cuid de na bha lathair nach d’rinn ach toiseachadh air a Ghaidhlig ionnsachadh, agus mar sin nach robh comasach air oraid anns a chainnt sin a thuigsinn, labhair an Lighich anns a Bheurla, ach thaitinn na thnbhairt e cho math rium fhein agus ris na h-uile ’chuala e ’s gu’n gabh mi a chiad chothrom a gheibh mi air an oraid eadar-theangachadh gu Gaidhlig airson MAC TALLA. Tha mi ’creidsinn, Fhir-deasachaidh‘ gu’m bi sibh air uairibh a foighneachd ribh fhein am beil bhur leughadairean a cur am meas a bu choir dhaibh air bhur saothair. Faodaidh e bhi gu’m beil cuid ann nach eil a deanamh so ach tha mi làn chinnteach nach eil iad ach tearc. Tha caraide dhomh anns a bhaile so aig am beil am paipeir cho measail ’s gu’m beil e a gleidheadh gu cùramach na h-uile aireamh tha e faotinn. O chionn ghoirid thug e na bh’ aige dhiubh a dh’ionnsaidh ceangladair-leabhraichean agus fhuair e iad air an cur còmhla na’n aon leabhar, agug gu dearbh is briagha an leabhar e. Nuair a sheall e dhomhsa e thaitinn e cho math ruim ’s gu’n d’thubhairt mi rium fhein gu’n deanainn an ni ceudna. Ach tha beagan aireamhan nach eil agam agus bho’n a bu mhath leam an leabhar a bhi iomlan bithidh mi anabarrach fada ’nur comain ma’s urrainn duibh aon sam bith de na h-aireamhan so a leanas a chur thugam:— Leabhar I.—aireamhan 1 gu 35 II.—aireamhan 3, 13, agus 27. Mur eil iad agaibh fhein faodaidh gu’m bi neach-eigin de bhur leughadairean cho math ’s gu’n cur iad thugaibh iad. Le sin a dheanamh cuiridh iad comain mhor orm. CABAR-FEIGH. Luinnuinn, 31, 10, ’94. Is e Dior-daoin s’a tighinn an latha th’air a chur air leth air son Latha Taingealachd. Tha iomadh reusan aig sluagh na dùthcha so air a bhi taingeil air a’ bhliadhna so. Ged a bha bochduinn agus éigin glè lionmhor ann an dùthchannan eile, bha sinne ann an Canada gle mhath dheth. Bha airgiod gann agus bha iomadh ni eile air ais seach mar a b’àbhaist, ach cha robh duine ann nach robh ’na chomas beolaind a dheanamh; cha robh duine ann a ruigeadh a leas a bhi acrach ’s e air chnthrom oibreachadh. Bha biadh dhe gach seòrsa pailt agus saor. Fhuair sinn sìde bhriagha ’s foghradh tarbhach, agus tha chuid a’s mò comasaach air stòras a cuir ma seach air coinneamh a’ gheamhraidh. Ri ’r gabhail thar a chèil tha againn mar thuirt am bàrd, “biadh us aodach agus slaint, us saorsa, càrideas agus sith,” agus fhad ’sa tha sin mar sin, cha choir dhuinn a bhi ’gearan nach eil ar crannchur na’s fhearr; ’sann a thig dhuinn a bhi taingeil nach eil e na’s miosa. [TD 154] [Vol. 3. No. 20. p. 2] DONULL-NAN-IALL. (An “Gaidheal”) GED nach robh mòran de ’n t-saoghal aig Dònull-nan-iall bha e gu math sicir ’n a dhòigh fhein. Bha e dichiollach gun teagamh, ach a chionn nach robh a làmh ro ghrinn, snasmhar, cha robh a thighinn a stigh ro mhòr. Chuireadh e breabainean, us sàiltean, us ceireinean, air brògan mar nach b’ olc; ach duine a bheireadh tomhas a choise dha aon uair cha tugadh e dà uair dha e, air fheobhas ’s g’ an dùraigeadh e Dònull air a chothrom. Mar a thuirt mi, ma ta, cha robh tighinn a stigh Dhònuill ro mhòr. Dichiollach ’s mar a bhà e cha robh a phàidheadh ris a’ ghnothuch ach éigneach. Bha a bhean stuama, caomhantach, ach bha e ionann ’s a’ fairtleachadh oirre iomfhuasgladh a ghleidheadh dhaibh fhein le cheile agus dh’ an triuir chloinne. Cha’n fhaodar àicheadh ge ta, mur biodh Dònull cho trom air a’ phiob ’s air an òl nach biodh fuigheall us foghnadh aca. Ach bha e ag obair goirt, agus cha b’ fhuilear dha ‘rud beag’ ’n a uaireannan a chumail spéirid ’s na seann ult. Is e sin beachd a bh’aige fhein co dhiubh. Ach bha an ‘rud beag’ ag cost trì sgillinnean Sasunnach a’s t-seachdain da, agus cha bu bheag an cuideachadh a dhianadh sin ris a’ mhuirichinn. Am pàisde bu shine—Maireag, bha i nise mu dheich bliadhna dh’ aois. Bha i ’n a caileig ro lurach, caoimhneil ach bha i riamh anfhann, breòite. B’i àilleagan an tighe i, agus cha robh an dealachadh eadar i fhein ’s a h-athair. Rachadh Màireag a h-uile latha do cheann eile an tighe far am biodh e ris a’ ghriasachd a chumail cuideachdais ris, agus dh’ fhanadh i fhios cuine comhla ris ag cnacas cho seanagarra ri seann duine. ’N a uaireannan thigeadh greis thinnis oirre, agus shineadh i i fhein air an ùrlar, agus bu bhuidhe leatha bhi ’sealltainn ’n a aodunn. Cha bhiodh i toillichte ach an uair a bhiodh i comhla ris, agus cha bu chualag an obair airsan fhad’s a bhiodh i mu ’choinneamh. Bha mios us mios a’ dol seachad, ’s bha Màireag uidh ’n uidh a’ snaidheadh as. A gruaidhean a’ dol an tainead ’s an glaisead, a sùilean a’ dol am miad ’s am mairbhead, agus a casan ag call an lùis. Thàinig oirre mu dheireadh nach b’ urrainn d’i urad ’s dol do cheann eile an tighe gun taice; an sin rinn a h-athair àrd-leaba dh’i. Bhiodh i nise ’s an leabaidh greis a’ bruidhinn ris, agus greis ag amharc ’n a aodunn. Mar so bha an ùine dol seachad, ach a dh-aindeoin a’ ghaoil a bh’ aig air Màireig agus air a theaghlach uile, cha do leig Dònull dh’ e an t-òl ’s an tombaca. Agus mar sin cha robh annas no àilleis aca, agus ciamar a bhitheadh; cha robh, aig Maireig fhein ged a bha i cho beadrach ri ubhal òir aige. Bha tuilleadh ’s a b’ uarainn d’ i mharachadh aig a mdnaoi ri dhianamh buntàta-gun-dad us cearban aodaich fhaighinn daibh gun tighinn air annas no àilleas. Beag no mòr g’ an coisneadh Dònull dh’ fheumteadh an aon suim a chur air leth gach Sathurna mu choinneamh an òil ’s an tombaca, agus cho cinnteach ’us sin rachadh gach bonn annta dh’e. Bha Donull làn chinnteach ’n a bheachd fhein mur fhaigheadh e an ‘rud beag’ nach rachadh aige air an obair a dhianamh—cha do smaoinich e riamh ciamar a bha bhean ris a’ ghnothuch gun chupa tì—agus mur fhaigheadh e toth de ’n phìob an deaghaidh gach tràth bìdh bha e an duil nach b’ ion da bhi strìth ris an t-saoghal; air chor ’s gu ’n robh na sgillinnean Sasunnach gu riaghailteach a’ dol ’s a’ cheathra’-bhodach agus ’s a’ phìob. Na ’n tuiteadh do na tìmeannan a bhi na b’ fhearr air uair, bu tricid Dònull an tigh-an-ribidh ’s cha bu ghoinnid a spliucan e. Ach an uair a chuireadh e a làmh ’n a phòca ’s a gheobhadh e a’ chorra-pheighinn ri falach-fead innte, dh’ fheumadh e àill air n-àill an stuaim a chleachdadh. Mar so bha beairtean ’g an cur an gnìomh bho sheachdain gu seachdain ’s bho mhìos gu mìos—Donull ’s an ‘rud beag’ ’s a’ phìob cho muirneach mu ’chéile ’s a dh’ fhaodadh iad, agus an lorg sin, a mhuirichinn ’g an cuaradh fo éire na h-aimbeirt. Bha Màireag a’ dol an laigead ’s an laigead. Cha b’urrainn d’ i fios ciod é de ’n bhuntàta-gun-dad a ghabhail, agus na ghabhadh i dh’ e is ann a bhiodh e tighinn ’na h-aghaidh. Is gann a bha i ag iche na bha cumail na beatha innte. “Mo ghaol beag i” os a màthair madainn a bha ’sin, “cha bhi i beo gun bhiadh. Is ann a tha na maoirneinean boga buntàta sin a toirt a’ chridhe aiste. Ochoin mise, nach ann agam a bha beagan de na th’ aig na h-uaislean thair a’ choir ’s ag cur an domail.” “Tha mollachd a’ ruith na bochdainn co-dhiù,” osa Donull le gribheig nach bu chleachdadh leis, ’s e sealltainn air Màireig ag cur bhuaipe a’ bhidh, ’s a tuar ag ìnnse tuilleadh s’ a b’ urrainn d’i a chur an céill. “Mollachd aice” os esan a rithist, “mo phàisdein beadrach a’ dol bàs leis an dubheireachd ’s gach ni gu’n àilleas aig clann nan uaislean.” Rinn Dònuill bho chian inntinn leagte ris a’ ghriasachd, ’s leis an aon shurdan a bhi aige leis a’ mhinidh ’s leis an éill bho mhoch gu dubh, cha robh gnothuch righ no righeachd ag cur iomagain air, air chor ’s gu ’n robh socair-inntinn nach bu bheag aige. Bha e làn thoilichte leis a’ bhuntáta-gun-dad, no le salunn na ’m biodh e ann, agus cha dianaah e tàrmas air bog no cruaidh a chuirteadh ’n a thairgse. Ach bu docha leis Màireag na ni fo ’n ghréin, agus bhi ’g a faicinn ag cur cuil ris an rud a b’ annasaich a b’ urrainn da chur ’n a tairgse, thug e snìomh air a chridhe, ’s cha bu lugha leis na tòiseachadh air monmhur an aghaidh a chrannchuir. Ach ’s an àm cha robh e faicinn gu’n robh dòigh aige air a’ chuis a leasachadh. “Nach urrainn dut dad idir is fhearr na so fhaotainn do Mhàireig?” os esan ri mhnaoi, ’s e ag cur bhuaithe a mhìodair mu’n robh e leth-bhuidheach “Cha ’n eil dòigh air” os ise le h-osna “Air cho saor ’s g’an ceannaich mi, ’s air cho caomhantach, grundail ’s g’am beil mi, is gann is urrainn domh an éiginn bhochd so fhein a chur cruinn.” Dh’ eirich Dònull bho ’n bhòrd ’s thug e ceann eile an tighe air ’s chaidh e air seibh na h-oibre. Thuit a chridhe gu tur. Cha do chuir e a’ phiob air ghleus ann, theirig an tombaca dha an raoir, mar gu’m b’eadh. Bha aon pheighinn de dh-airgiod-odhar aige, agus chuir a roimhe,, cho luath ’s a chàireadh e na brògan, tombaca cheannach ’s an tigh-òsda, air a dhol seachad a’ dol dachaidh leotha. Ach cha do chuir e ach greim no dhà tra a dh’ fhairch e Màireag ag glaodhaich air. Dh’ éirich e g’ a h-iarraidh agus thog e gu muirneach air a ghualainn i—b’ i sin an ulaidh bu luachmhaire a bh’ agie ris an t-saogal, agus bu ghoirt a chridhe ag cuimhneachadh nach b’ fhada gus am biodh “leac us [TD 155] [Vol. 3. No. 20. p. 3] uir eatarra.” Chuir e ’n a sìneadh ’s an leabhaidh làmh ris i agus thóisich e leis a mhinidh. Chuir uireas us easlainte na caileig luasgan fo shocair-inntinn Dhonuill. Thoisich a smaintean car tiota air co-ghleachd amhuil ’s ian an sàs fo cheis a’ sgiathais ri aisnean a’ chléibh an tì air teicheadh, iadsan ’n a chliabh-san a’ bualadh ri daor-aisnean na h-éiginn. Mu dheireadh chàirich e na brògan agus le ìotadh na pioba ghreas e air dhschaidh leotha. Air an rathad faicear buth-mhilseinean, agus cuimhnichear air Màireig. “Nach truagh nach b’ urrainn duinn ruighinn air roinn de so dh’ i” os esan ris fhein, “bu bhiadh ’s bu leigheas e. Ach, o, nach gòrach mo cheann—tha sinn bochd! bochd! Cha ruig clann na dubh-bhochduinn a leas duil a bhi aca ri àilleas no annas de ’n t-seorsa so, cha ruig, cha ruig.” Chum e air ’s ràinig e an tigh-osda a cheannach an tombaca. Sheas e aig an dorus, mar a chuir e a làmh ’n a phoca a rurach na peighinn mu dheireadh, thàinig fotha—a chlad uair bho’n a rugadh e, srian a chur ri an-mhiann. Os esan ris fhein “Gheobhadh so milsein do Mhàireig, ach chuireadh sin gun tombaca mi an diugh ’s am màireach, cha’n fhaigh mi pàidheadh nam bròg so gu oidhche Disathurna an uair a gheobh Eobhan Aonghais a thuarasdal.” Thug e greis ’s an iolraig mar sin air an dalla làimh e faicinn ìomhaigh Màireig us tuar a’ bhàis oirre, ’s air an làimh eile ’g a fhaicinn fhein gu tromsanach, domh, gun toth pìoba fad dà latha. Shaoileadh duine na ’m biodh fioc-ghaol aige air a leanabh, nach leigeadh a chridhe leis a bhi urad ’s leth tiota an iom-chomhairle mu’n chuis. Shaoileadh gun teagamh, agus bha sin aige oirre; ach, “an car a bhios ’s au t-seana-mhaide, is duilich a thoirt as.” Duine a ni droch-cleachdadh sa bith dha fhein, mar a rinn Dònull, cha mhor nach ’eil e cho duilich dha sheachnadh no a leigeadh dh’ e ri ball sa bith dh’ a choluinn; oir tha e ionann ’s a’ talmhannachadh ’n a nadur. Bha a’ sgillinn age eadar a dha mhiar ’s thug e ceum thun an tigh-òsda; ach tháinig ìomhaigh Màireige cho riochdail eadar e ’s an dorus agus gu’n do stad e. Ged nach robh aige ach an aon pheighinn ri chost, dh’ éirich spairn nach bu beag ’n a inntinn. Gaol Maireig air an dalla làimh agus an droch-cleachdadh air an làimh eile ’g a theumadh ionannn ’s nàch gabhadh e diult. B’ i pheighinn mu dheireadh a bh’ aig Dònull eadar a mheòir. Na ’m biodh dithis aige cha bhiodh an diachainn cho ro chruaidh, cheannaicheadh e mìlsein leis an dalla té, agus tombaca leis an té eile. Ach cha robh: agus cha robh aige air, ach e fhein a bhi gun tombaca; no Màireig a bhi gun mhìlsein. Gun a’ chùis a shocruchadh ’s an àm sin, thuirt e ris fhein, “Chi mi tra a thilleas mi air m’ ais,” agus togar air dhachaidh leis na brògan. (Ri leantuinn.) Lesghis Minard’s Liniment greim-droma ormsa. Chatham, Ont. BAYARD McMULLIN Leighis Minard’s Liniment at ormsa. Walsh. Ont. Mrs. W. M. Johnson. Leighis Minard’s Liniment at-bràghaid ormsa. Parkdale, Ont. I. H. BAILEY. Tha luchd-sgil ag innseadh dhuinn gur ann a rèir a’ bhìdh agus na dibhe a’ bhios duine’ gabhail a bhios slàinte ’s fallainneachd is neart an duine sin. Am biadh math, fallain, tha brìgh gu leòr ann air son fuil, feoil, is cnaimh is smear a chur ann an duine. Ach am biadh a th’air bheag brìgh, ged a ghabhadh duine e cha dean e ’bheag sam bith a dh’fheum dha. Dìreach mar a tha’n corp a’ beathachadh air a’ bhiadh a tha ’n dnine ag itheadh, tha inntinn agus spiorad an duine a’tighinn beò air na chi, na chluinneas, agus na leughas e. Ma bhios na nithean so air bheag eòlais, gliocais agus tuigse, bidh inntinn agus spiorad an duine beag, bochd, lag, meata; ach ma bhios na chi, na chluinneas, agus na leughas an duine, làn uilc agus amaideachd, bidh iad dh’ a inntinn agus dh’a spiorad, mar a bhios biadh puinnseanta do’n chorp—’nan meadhon bàis. O’n tha so mar so, bu chòir do gach neach oidhirp a thoirt air fuireach o’n ni a thruailleas an t-anam mar a dh’fhanas iad o’n ni a mharbhas an corp. Air son casdaich—Minard’s Honey Balsam. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar; Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 156] [Vol. 3. No. 20. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 17, 1894. Tha iorghail mhor a’ dol air adhart ann am Brazil aig an am so. Tha àireamh mhor de mhuinntir na dùthcha sin nach eil riaraichte leis an luchd-riaghlaidh tha os an ceann, agus o nach eil e ’nan comas an cur á dreuchd air dhòigh shiobhalta, tha iad a deanamh ar-a-mach ’nan aghaidh agus a’ cur rompa gu’n dean iad an gnothuch orra leis a chlaidheamh. Tha iad air an obair so o chionn treis a dh’ùine, agus cha’n eil e coltach gu bheil taobh seach taobh láidir gu leòr gus an taobh eile thoirt fo smachd. Tha ’n sgeul mu dheiread a fhuaras ag ràdh gu bheil na ceannaircich a faighinn a’ chuid a’s fheàrr dheth, ach faodaidh an ath sgeul a gheobhair, sin a bhreugnachadh. Tha Brazil mar a tha gach duthaich eile ann an America Dheas gun riaghladh stéidhichte, agus tha i mar sin gle bhuailteach do gach buaireas agus iorghail a bhios daonnan a tighinn air dùthchann dhe’n t-seorsa sin. Gus o chionn dha no tri bhliadhnaichean bu Rioghachd no Iompairachd Brazil, agus bha i ’faighinn air adhart gu math. Ach rinn buidheann dhe ’n t-sluagh guim air son an Iompaireachd a chur bun os ceann, agus Coi-fhlaitheachd (Republic) a chur suas ’na h-àite, agus dh’ fhogair iad Dom Pedro, an t-Iompaire bha ’gan riaghladh ré moran bhliadhnaichean. Uaithe sin cha ’n eile sìth anns an dùthaich. Tha moran dhe’n t-sluagh nach robh deònach cur as do’n Iompaireachd, agus tha iad a’ gabhail gach cothrom is urrainn daibh air aimhreit a thogail; agus iadsan dhe ’n taobh eile, cha ’n eil iad gnn eas-aonachd ’nam measg féin. Cha ’n urrainn, mar sin mor shoiribheachadh a bhi leis an dùthaich. A Framboise. Tha am ministeir againn air chuairt ann am Boston. Bithidh e ’sa bhaile mhor san tri na ceithir de sheachduinean. Chi e moran de òigridh Cheap Breatuinn an sud a bhitheas ro thoilicht fhaicinn, gu h-raid na bhuinneas da choithional fèin ’s cha ’n eil teagamh gun diochuimhnich iadsan gun tug e sgriob na measg. Chaill fear Ian Mac Asguill a mhuinntir Loch Lomond lair òg luachmhor an so an la roimhe. Thaghail e aig stòr Mhic Asguill ’s ’nuar a bha e stigh dh’ fhalbh am beathach air rathad geamhraidh leis a chairt ’sa lòd ’s ghabh i mach air an loch gus an deach a bàthadh. Air oidhche dhorcha air an t-seacheuinn s’a chaidh, nuair a bha Dòmhnull Mac Gilleain, “muillear,’ a’ dol dhachaidh, thugadh grad ionnsuidh air a spuilleadh le dith ’s dhaoine goirid do dh’àite Ruairidh ic Leòid. Rug fear dhiubh air gunna bh’aige Dòmhnull gus a thoirt bhuaithe, ’nuair nach deachaidh sin leis ghabh e sàs ann féin, ach mo riar, cha b’ann an làmhan a leanain a bha e, ’s air a cheud chrathadh chuir am muillear no laochan air a dhruim-dìerach ann a clais an rathaid mhoir. Tha e coltach nach robh anns an fhear eile ach an cladhaire, ’s thug choille air am falach. Cha d’ fhuaras a mach fathast co iad. Bha ’n òigridh air falbh nan grunnanan oidhche Shamhna, gu modhail, sporsail, tha mi ’saoilsinn, ged a their cuid gur e mimhodh a th’ ann stocan càil a thoirt a bun air an oidhche ud, no geata a thoirt as àite, na leithid sin de spors a dheanamh. Tha e air aithris gu bheil bodach ’san àite so aig an robh gàradh mor briagha de chàl ’s de shnéapuin agus smuainich e gu cumadh e faire air a ghàradh sin fad oidhche Shamhna, ’s air réir sin rinn e seorsa campa da féin na theis-meadhoin. Bha e rud-eigin mall na éìsdeachd, ’s bu mho bh’ aige de dh’earbsa as a shùilean na bh’ aig as a chlusan ’s ghabh na gillean an cothrom sin air. Dh’ialaidh dithis na truir dhiu gu cùlthaobh a champa, ’s le leus no dha chuir iad an caisteal na theine ma cheann a bhodaich, a thug na buinn dhi ’nuair a chunnaic e ’n teine. Cha ’n eil fhios co bu luaithe bha teichidh sealbhadair a ghàraidh na meàirlich a chàil. CEANN LIATH. 10, 11, 1894. Flur math air $3.50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros. Air son domblasachd—Min’d’s Family Pills. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean a deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagrich aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 157] [Vol. 3. No. 20. p. 5] NAIDHEACHDAN. CHAIDH duin’ òg a bhàthadh aig Elgin, N. B. an la roimhe ann an da throigh a dh’ uisge. Bha e ’g obair ann am muillean-sàbhaidh. BHA stoirm mhor air cladach a tuath na Gearmailt toiseach na seachdain so. Rinn i call mor am measg shoithichean, agus bha roinn de dhaoine a chaill am beatha. THA h-aon deug air fhichead a’ dol do sgoil nan dall ann a’ Hallfax. Cha mhor gu ’n gobh am taigh anns a’ bheil iad an còrr, agus thatar a buidhinn air pios eile ’thogail ris. THA muc-fheòil aig an àm so a’ creic na’s saoire ann an Eileain a’ Phrionnsa na bha i o chionn bhliadhnaichean. Thatar ’ga creic air còig sentichean gu leth (5½c.) am pùnnd. Cha ’n eil sin ach bochd dhaibh-san a tha ’ga creic. BHA tuathanach do ’m b’ainm Gìlleasbuig Caimbeul, ann an Cypress River, Manitoba, ag obair le paidhir each an la roìmhe, agus thug fear dhiubh breab dha anns an stamaig, agus dh’ eug e an ceann beagan mhionaidean. CHAIDH leth-cheud dollar de chàin a chur air fear Eugene Cote, ann am Montreal, an an là roimhe, air son e bhi ’cur dhealbhannan drabasda leis a phosta tre ’n dùthaich. Dh’ fhaodte dà bhliadhna dhe’n tigh-oibreach a thoirt da. CHAIDH soitheach-seòlaidh da ’m b’ainm Kezia, a bhristeadh aig Petit de Grat, faisg air Arichat, anns an stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i air a turus eadar New York agus Charlottetown le luchd olla. Bha tri mile dollar de dh’ airgiod-urrais orre. AIG St. John’s, Cuibeic, chaidh dithis choimhearsnach bhar a chéile, agus bhuail fear dhiubh am fear eile anns a’ cheann le spaid agus leòn e e gu dona. ’N uair a chunnaic e ciod a rinn e, ghabh e eagal gu ’n d’ rinn e murt, thilg e e-fhèin ann an tobar-cladhaichte, agus bhàthadh e. Tha choltas air an fhear eile gu’n téid e ’m feabhas. CHUIR stoirm na seachdain s’a chaidh call mór air na h-iasgairean mu chladaichean an eilein so. Bha ’n rionnach a tighinn gu pailt, agus bha na lìn a mach air son a ghlacadh ’nuair a thàinig an stoirm. Chaidh a chuìd mhor de na lin an sguabadh air falbh, agus chailleadh moran éisg a bhàrr air sin. Cha robh a’ bhliadhna so air fad ach car bochd a thaobh an iasgaich. THA dithis de na h-Eadailtich, a bha air an cur an sàs air son losgadh air Eideard Crawford, ann an Springhill o chionn ghoirid, air an leigeil as a’ phriosan air urras. Tha ’m treas fear ’san toll-dhubh fhathast, ach bidh e mach cho luath ’sa gheobh e urras làidir gu leòr. Tha ’m fear air ’n do loisgeadh cho siùbhlach ’sa bha e roimhe, ’s cha ’n eil a choltas gu robh dochann mòr sam bith air a dheanamh air. BHA stoirm mhòr aca ann an ceann a deas Shasuinn air an t-seachdain so, agus rinneadh call mór leatha. Bha laimhrigean air an sguabadh air falbh, agus na ròidean iaruinn air an cur troimhe chéile cho mór ’s nach eil e comasach do na carbadan ruith. Bha àireamh dhaoine air am bàthadh. CHAIDH each a mharbheadh aig a Bhras d’Or Bheag an la roimhe le òrdugh a chomuinn air son ceartas fhaicinn aig ainmhidhean. Bha e a réir coltais air a thionndadh air falbh le ’mhaighstir nach robh toileach a bheathachadh. Tha e an-iochdmhor do dhuine beathaichean bochda fhuadach air falbh mar sud gus iad a bhàsachadh leis an acras. B’ fhearr an gniomh dhaibh gu mòr am marbhadh. BHA taghadh (election) fhear-pàrlamaid aca anns na Stàitean air an n-seachdainn s’a chaidh. Fhuair na ‘Republicans a’ chuid bu mhò dhe’n daoine stigh. Tha còrr sa dha uiread aca ’sa tha aig na tha ’nan aghaidh air fad. B’ iad na ‘Democrats’ a bha stigh roimhe so, ach cha do choilion iad na geallaidhean a thug iad an àm dol a stigh roimhe, agus chaill iad an dreuchd air tàìlleabh sin. Tha nise dà sheachdain bho ’n chaochail Iompaire Ruisia, agus tha a chorp os ceann talmhainn fhathast. Ma’s fior na tha sinn a’ cluinntinn, cha bhi e air adhlacadh gu ceann seachdaìn eile, neo ma dh’ fhaodte dà Tha gach greadhnachas a ghabhas deanamh mu’n cuairt da gach latha. A chiste-laidhe anns a’ bheil e air e chur, ’s ann de dh’ òr a tha i air a deanamh, agus tha de dh’ òr ’s de dh’airgiod ’s de dh’obair-ghreis mu thimchioll na chuireas saoibhreas ann. ’N uair a bhatar ga ghiulain eadar Lavidia, an t-àit ’san do chaochail e, agus St. Petersburg, bha cluig air am bualadh agus urchraichean air an losgadh an ceann gach mionaid, fad an t-siubhail. Air son crup—Minard’s Honey Balsam. THA gill’ òg, aois cheithir bliadhna deug, da’n ainm Uilleam Boyd, a mhuinntir an eilein so, ann an droch càradh ann an Gloucester, Mass. Chaidh e ’n oidhche roimhe gu oifig a “Pholice” a dh’ iarraidh tàmh na h-oidhche orra. Dh’innis e dhaibh gu’n deachaidh ’athair a bhàthadh aig Ceap Breatunn o chionn àireamh bhliadhnachan, agus gu’n deachaidh esan ’sa mhàthair an déigh sin gu ruige Boston. Chaochail a mhàthair o chionn bliadhna, agus cha robh aige bho’n uair sin ach tighinn beò air na chothaicheadh e fhèin. Rinn e turus no dha air na soithichean-iasgaich ré an t-samhraidh, a’ cosnadh a bhidh le bhi ’cuideachadh nan iasgairean. Tha e ’g radh gu bheil gu leòr de chàirdean aige ann an Ceap Breatunn. Fhuair am “police” àite dha anns am faod e bhith gus am faighear dòigh air a chur ’g an ionnsuidh. Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar. Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 158] [Vol. 3. No. 20. p. 6] ORAN LE CALUM MAC IAIN ’IC PHADRUIG A BEARNTRAIGH SNA H-EARADH, DO CHARAIDE ANN AN CANADA. Fhior Urramaich Uasail da rìreamh A sheall gu ’m beil cuimhn’ agaibh orm, Fhuair mi bhur litir ’tha ’g ìnnseadh Na naigheachd a’s prìseil’ ’tha falbh, ’S e sin gu bheil sibh an slàinte, Mar ghuidheadh ur càirdean gu dearbh; Tha riaghladh an Fhreasdail ’n ur fábhar, Is beannachd o’n Airde ’na lorg. Slàint bhi ’s an teaghlach gu léir Gun ghearain, gun easbhuidh, gun éis, Aon naigheachd a’s fhearr leis gach caraid ’Tha ’n diugh anns a bhaile gu lèir. Taa mise mi féin is na càirdean, A mheud ’sa tha ’m Bearntraigh dhiubh cruinn, Air chothrom bhi mach mar is àbhaist, ’S mar sin cha ’n eil càil a’ tigh’nn ruinn. Tha ’n t-sìde cho tlachdmhor ’s cho àillidh, ’S tha e ro fhàbharrach duinn, Na faigheamaid seachdain no dhà dheth Ged a bhiodh páirt againn sgìth. Greisean le corran a buain, Greisean a’ ceangal nan sguab, Greisean a’ tarruing le gàdaig, ’S greisean ga chàradh ’sa chuarich. Tha ’n t-eòrna ’s an coirce am bliadhna, Gle thorach is ciallach gu léir; Tha e gu math anns an t-siaban, A mheud ’sa tha shios air an léig. Tha e gu math ’sa Bheinnn Ghainmh’chadh, ’S bha dùil gu’n do shearg e le gréin ’S an t-samhradh le teothad na h.aimsir, Ach dh’ fhàs e gun chearb air ’na dheigh. Thòisich na frasan ’s am blàths, Thòisìch am fochann air fàs; Ni e nis biadh agus fodar, Ged ’tha cus grod ’sa bhuntat. ’S luach thu de threubh mam fior Leódach, An treubh do’m bu nòs a bhi fial, A choisinn gach cliù ’s urram òirdhearc Le gluasadan còire ’s le cìall; Is togaidh tu oighreachd árd-gloireach Gach aon a bha beò dhe do fhreumh, Cho fad ’sa ni tuigs’ agus geòir’ e, Na feartan a’s mò bh’ aig neach riamh. ’S ni e nach ceannaichear a stòr, ’S fearr e na airgiod na òr, Is, beairteach no bochd ga’m bi crannachur Tha gliocas na h-eanachain ro mhòr. Beannachdan uainn le deagh dhùrachd Do ’r n-ìonnsuidh do ’n dùthaich sin thall; Bu mhiann leinn air fad a bhi dlùth dhuibh, Ach, c’ uin a bhios sùil ribh a nall? ’S e eagal a th’ oìrnn ann am Beàrntraigh, Gnn dean sibh a’ Gháilig a chall, ’S nach bi sibh, a sheachduin no ’Shàbaid, A’ labhairt ach cànain nan Gall. ’Si Ghàilig a b’ fhearr leinn co-dhiu, ’S ann aice gu bràch ’bhios an cliù, ’Si Bheurla deireadh gach cànain, Cha ’n fheum sinn a’ càineadh gu cùl. Tha Calum Mac Asguill, no Calum mac Iain ’ic Phàdruig, a còmhnuidh anns na h-Earradh, agus tha e ’n deigh iomadh òran a dheanamh. Cha’n eil ach ùine ghoirid o’n rinn e ’m fear so do ’n Urramach Ruairidh Mac-Leòid, ministeir Dhunbheagain, ’an Ontario. Is mac e do “Mhàiri nighean a Ghobha,” piuthar Iain ’Ic-Illemhoire, bàrd agus gobha na h-Earradh. Thàinig mar sin gibht na bàrdachd gle dhligheach air. CLANN-NEILL BHARRA. Tha e air a radh gum b e Niall Og an ceathramh Mac Neill air fhichead aig an robh Barra. Thanig Murchadh an deigh Neill, Ruari an deigh Mhurchaidh, Gilleonan an deigh Ruari, fear nach aithine dhuinn ainm an deigh Ghilleonain, Gilleonan an deigh an fhir so, fear nach aithne dhuinn ainm an deigh Ghillleon, agus Gilleonan an deigh an fhir so. Bha Gilleonan na uachdaran air Barra sa bhliaphna 1545. Thanig Ruari, a mhac, a staigh na aite, Theirear ris an Ruari so a cheud Ruari. Phos a cheud Ruari Mairearad nighean Ailein Mhic-Gilleain. Fear Airbthoirnis. Bha triuir mhac aige, Ruari, a thanig a staigh na aite, Iaìn, agus Murchadh. Chaidh a mharbhadh aig blar Ghleannlibhet ’sa bhliadhna 1594. Phos Iain Ceit, nighean do Lachainn Og Mac-Gilleain, Tighearna Thorloisgte. Chabh darna Ruari te de Chloinn-Ghilleain d’a ionnsaidh fhein ann an lamh-cheangal. Bha triuir mhac alge rithe. Phos e an sin nighean do Mhac Ic-Ailein, agus bha a dha no tri de mhic aige rithe Bha am mac bu shine a bha aige ris a bhoirionnach lamh-ghlacte agus am mac bu shine a bh’aige ri mhnaoi phosda le cheile ag iarraidh tighinn as taigh air an oighreachd an deigh an athar. Dh’aobharraich so connsachadh agus aimhreit eadar an da theaghach. Cha robh moran de thoileachadh aig Ruari anns na bliadhnachan mu dheireadh de ’bheatha. ’Se ’s dòcha gun danig e gu fhaicinn gum foghnadh aon bhean aig an aon am eadhoin do dh-uachdaran fearainn. Thanig Niall, am mac bu shine dhe ’n darra teaghlach a staigh air Barra na dheigh Bha Niall na uachdaran air Barra sa bhliadhna 1634. Phos e nighean do dh’Iian Muideartach. B’e an treas Ruari an ath uachdaran. ’Se ’s dòcha gur h-e mac no mac brathar Niall a bha ann. Phos an treas Ruari Iseabal Nic Leoid, nighean do Mhac Leoid Bhearnara. Tha cuid ag radh gun robh da mhac aige, Gilleonan agus Ruari, agus gun dug e an oighreachd do ’n mhac a b’ oige. Bha mac aig Gilleonan d ’m b’ ainm Ruari, agus bha mac aig Ruari ris an abairteadh Ruari Og. Thanig Ruári Og, a reir na naidheachd a chuala mise, do dh-eilein a Phriannsa mu’n bhliadhna 1800. Ma bha Ruari Og cho glic ’s gun do phos e, faodaidh e a bhith gu bheil ceann-cinnidh Chloinn-Neill ann an cearn air choir eigin de ’n eilein so. Thanig Ruari, a mhac, a staigh an aite an treas Ruari. Phós an ceathramh Ruari Eilis nighean do dh’ Iain, mac Mhic Leoid Bhearnara. Bha aon mhac aige, Ruari. Bha ’n coigeamh Ruari san arm. Phos e Anna, nighean do dh-Eachann Mac Neill, Eachann mac Eachainn. Bha aon mhac agus aon nighean aige. ’S e Ruari a b’ ainm do ’n mhac. Phos an nighean Domhnull mac Neill, Domhnull mac Eachainn. Chaidh an coigeamh Ruari a mharbhadh aig toirt am mach Chuibeic ’sa bhliadhna 1759. Phòs an siathamh Ruari, sa bhliadhna 1787, Sine chamaran, nighean do dh-Eoghan an Fhasaidh Fhearna. Bha da mhac agus tri nigheanan aig rithe, Ruari, Eoghan, Anna, Linsaidh, agus Sine. Chaochail e am Manchester sa bhliadhna 1822. Dh’ fhag e an oighreachd aig Ruari, coig mile punnd aig Eoghan, da cheud punnd sa bhliadhna aig gach te de na h-ingheanan gus am posadh iad agus coig ceud an uair a phosadh iad. Dh’ fhag e fichead punnd sa bhliadhna fhad ’s bu bheo i aig nighinn diolain a bh’ aige do ’m b’ ainm Ceit, agus fichead punnd sa bhliadhna fhad ’s bu bheo i aig Moir Nic-Gilleain. ’S e duine gasda, measail, a bha anns an t-Siathamh Ruari. Tha ’n curam a ghabh e do Cheit, a nighean, a leigeil fhaicinn nach bu duine gun diu e. Cha robh ni de choltas aige ri cuid de dhaoine a tha anns an duthaich so; biastan a mhionnaicheadh, ged a bhiodh fichead paisde diolain aca, gun robh iad cho neo-chiontach ri Ioseph; trusdaran gun tuigse, gun mhodh, gun chaoimhneas, gun chreideamh, nach sealladh an deigh an cuid cloinne; spiocairean leibideach, spag-luinneach, cealgach a chumadh bho na bochdan an t-airgiod a thatar a tional dhaibh gu an sliochd fhein a thogail a suas. Chaochaoil Eoghan, darna mac [TD 159] [Vol. 3. No. 20. p. 7] Ruari, ann an Trinidad. Cha do phos e riamh. Bha ’n seachdamh Ruari na sheanailair anns an arm. Chaill e Barra mu ’n bhliadhna 1838. Ghaochail e ’sa bhliachna 1863. Bha e posda da uair. Bha aon nighean aige. Co e ceann-cinnidh Chloinn-Neill Bharra? Is ceist sin nach urrainn mis’ fhuasgladh. A. MAC G. SINCLAIR. RANNAN. LE AILAIN BUIDHE. Oidhche dhomh bhi ann am leaba, Samhach, socair mu’n do ghluais mi, Thainig guth thugam an cabhaig, “Ma’s a cadal dhuit cuir bhuait e.” Thuirt mi-bhein, Ciod a th’air t’aire? An Spiorad, au tannasg, am fuath thu? ’S ann thaìnig mi o fhearaibh treuna; Tha’n righ ’san Fheinu aig Loch-luasgainn; ’S Chuir iad mir’ a ghabhail sgeula An do theirig feidh nan cruachan Ghrad dh’eirich mi ann an cabhaig Is ràineas bealach Chnoc-nan-armaibh; Chunnacas fear na lan uidhim, Is e na shuidh air Meall-dun-eanarain. Co bha’n sud ach Fionn mac Cumhail, Le ’chleachadh lughaidh’s bu gharg e; Mac an Luinn an claidheabh ruithiun ’S e na chuibhil na dhorsa mheanmnaich. Rainig mi’n Fheinn air an tnlaich, ’S bu lan churaidh am fear bu shuaraich’; Striochd mi sios le modh ’s le oilean, Is spion mi a bhoineid an nuas dhiom. An sin thuirt Fionn is e’g eiridh, Na mill m’ aithne gheur ’san uair so; Innis dhuinne pairt dhe d’ sgeula Ma’s tu fear-deanaimh nan duanag. A bhliadhna ’dh’eirich am feachd Is cuimhne leam gu beachd an uair sin, Na Frangaich ’bhi togail batrai ’Sheisdeidh Caisteal na h-Ighinne Ruaidhe. Chunnacas muc mhar’ an Loch-adhaich ’S an dreathunn le claidhibh ga ruagadh. Chunnacas Frideag ’gleac ri famhair, ’Ruith le deannal ’dhol ga bhualadh; Chunnacas ubh an nead an dreathuinn, ’S cha bhrisdeadh spreathadh de thuaigh e; Chunnacas da fhear dheug air lon dalach, Tairgse cath’ ris, ’s bha sud cruaidh orr. Bha mi ’n de air Tom-an-dunaidh, ’N dun as aird’ ’tha’n Cille-mhunna, Is chunna mi gairnealair neonach A cur poir aig Maigstir Uilleam. Chuir e sallan ’san dail mhoir sin; Saoilidh sibh gur bosd mo sheanachas; Chinn i le peasair ’s le ponair, ’S bha feorlan air a h-uile meangan. An sin thuirt an Fheinn ’s iad ag eirigh, Ma chaidh a chleir an t-salainn, Is cinnteach sinn nach d’fhan feidh leibh, Theid sinn a dh-Eirinn an null thairis. Bhiodh t-Urramach Uilleam Caimbeal ri Ailain Buidhe air son a bhi ri oran nach biodh uile gu leir firinnich. Dh’ fhaodadh am ministir a bhi bruidhinn ach dheanadh Ailain na h-orain a fhreagradh dha fein. Thuirt Mr Uilleam ris aon latha, Ailain, an urrinn thu oran a dheanamh gun facal idir firinn? Mar fhreagirt air a cheisd aige ghabh Ailain dha na rannan a thug sinn seachad. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an lionmhòrachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan, Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 160] [Vol. 3. No. 20. p. 8] BEUL-AITHRIS MU ABRAHAM. Ann an seann leabhraichean anns an àirde ’n ear gheibhear sgeulachdan neónach mu Abraham. Tha e air a rádh gu ’n robh ’athair, Terah, a’ deanamh agus a reic iodhail-aoraidh. Thuit air latha bha sin gu ’n robh aige ri dol bho ’n taigh agus dh’ fhàg e cùram gach ni air a mhac Abraham. Thàinig seann duine a stigh agus dh’ fheòraich e prìs aon de na h-iodhail-aoraidh. “A dhuine chòir,” ars’ Abraham, “dé ’n aois a tha sibhse?” “Tha mi ’streap ri ceithir-fichead,” fhreagair an ceann duine. “Dlùth air ceithir-fichead,” Abraham, “agus shleuchdaidh sibh a sìos do dh’ iodhal a rinn h-aon de luchd-oibre m’ athar ann an uair no dhà? Is neònach leam gu ’n cromadh sibh ’ur ceann liath do ni cho suarach ris a so.” Thàinig rugha air gruaidh an t-seann duine le nàire, thill e air a shàil ’s dh’ fhalbh e. ’N a dhéigh so thàinig boirionnach le ceum socrach, ’s a sùilean ri làr, a thairgseadh ìobairt do na h-iodhail-aoraidh. “Thoir dhaibh e thu fhéin,” ars’ Abraham, “agus chì thu cho gionach ’s a dh’ itheas iad e.’ Rinn a’ bhean mar so. An sin ghabh Abraham òrd agus bhrist e gach iodhal ach an t-aon a bu mhó, agus ann an làmh an iodhail so dh’ fhàg e an t-òrd. An uair a thill Terah, dh’ fheòraich e gu frionasach cò e an creutair mi-naomh aig an robh de dhànadas an dìol so ’fhàgail air na dée. “Ciod a th’ agaibh air,” ars’ Abraham, “ach ’n uair a bha sibhse o’n taigh, thàinig boirionnach le biadh do na dée agus thoisich an fheadhainn a b’ òige air itheadh. Chuir an dànadas a leithid do chorraich air an t-seann dia mhòr so, ’s gu’n do ghabh e ’n t-òrd, agus phronn e iad.” “An ann a fanaid air do sheann athair a tha thu?” arsa Terah; “nach ’eil fhios agam nach ith ’s nach òl iad, ni mò a ni iad gluasaa.” ‘Agus ’n a dhéigh so uile,” ars’ Abraham, “tha sibh a’ toirt aoradh dhaibh agus bu mhiann leibh mise a shleuchdadh dhaibh cuideachd.” Tha an eachdraidh ag innseadh gu ’n do chuir so a leithid do chorruich air Terah ’s gu ’n d’ òrdaich e Abraham a thoirt air beulaobh an rìgh air son an nì rinn e. Ars’ an rìgh ri Abraham; “Tha mi ’tuigsinn nach sleuchd thusa do na h-iodhail aig d’ athair? Dean mata ùrnuigh ri teinne.” ABRAHAM.—C’ ar son nach dean mi ùrnuigh ri uisge a bhàthas an teinne? AN RIGH.—Mar sin bitheadh e; dean ùrnuigh ri uisge. ABRAHAM.—C’ ar son nach dean mi ris na neòil e ’tha cumail suas an uisge? AN RIGH.—Seadh ma ta: dean d’ ùrnuigh ris na neòil. ABRAHAM—Na biodh corraich oirbh, O Rìgh—cha ’n urrainn mi m’ ùrnuigh a dheanamh ri teinne no ri uisge, ris na neòil no ris a’ ghaoith, ach ris a’ Chruithear a rinn iad uile; dhàsan a mhàin sleuchdaidh mi. Aig àm eile bha Abraham a’ fanachd ann an uamh aig oir fàsaich, agus ’n uair a chunnaic e a’ ghrian a’ deàrrsadh na h-uile neart, bha e làn ioghnaidh agus thuirt e ris fhein “Gu cinnteach ’s i ’ghrian Dia an Cruithear,” agus chaidh e air a ghlùinean agus rinn e aoradh do ’n ghréin. Ach thàinig am feasgar agus chaidh a’ ghrian fodha anns an àirde ’n iar, agus thuirt Abraham, “Tha mi ceárr, cha’n fhaod a bhith gu’n téid ùghdar a’ chruitheachd uile, mu tàmh.” An so dh’éirich a’ ghealach anns an àirde ’n ear, agus bhaoisg na rionnagan anns an speur. An sin ars’ Abraham, “Is fheudar gur i ’ghealach Dia, ’s gur iad na rionnagan ’armailt,” agus a’ sleuchdadh sios rinn e aoradh do ’n ghealaich. Ach chaidh a’ ghealach fodha cuideachd, agus anns an àirde ’n ear chunnacas aon uair eile a’ ghrian bhuidhe bhòidheach le a ciabhan òir a’ faoisgneadh às a mogul. An oin deir Abraham “Gu cinnteach cha ’n eil iad so na’n déé, oir tha iad ùmhal do lagh ’s do riaghailt; ni mise aoradh do’n Tì sin a tha ga’ n stiuradh, do ’m bheil iad uile ùmhal, freagarach. FIONN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. 1894. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 161] [Vol. 3. No. 21. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 24, 1894. No. 21. OBAIR. Tha moran ann aig nach ’eil toil no tlachd sam bith an làmhan a chur ann an obair seach obair de na dh’fheumas daoine a dheanamh o latha gu latha, agus o bhliadhna gu bliadhna. Tha iad so ann am beachd, nam biodh an saoghal mar bu choir dha bhith, nach biodh a bheag sam bith a dh’ obair aig daoine ri dheanamh. Their cuid dhiubh gur e ’m peacadh bu choireach gu’m b’ eiginn do dhaoine bhith ri obair. Cha’n eil teagamh sam bith nach do mheudaich am peacadh an obair gu mor; ach cha b’ e thug an obair a steach do ’n t-sáoghal idir. An uair a chruthaicheadh an duine thugadh gu leor dha ri dheanamh. Bha aige ri bhith àrach a’ saoithreachadh ann an gàradh Edein, agus mar ceudna a’ bhith ’g a ghleidheadh. Bha so aige ri deanamh eadhon ged a bha e aig an àm ann an staid neo-chiontais. Bha fhios aig a’ Chruithfhear nach robh e math do’n duine bhith ’na thàmh ni ’s mo na bha e math dha bhith ’na aonar. Bhiodh e feumall dhuinn cuimhne a chumail an comhnuidh air na tri nithean sonraichte a chaidh a chur fa chomhair an duine mar dhleasdanais a bh’ aige ri chur an gnìomh, eadhon an uair a bha e ann an staid neo-chiontais, ’se sin, fois a ghabhail air an t-sàbaid, posadh, agus obair a dheanamh. Tha fhios againn nach ’eil an earran a’s mo de shluagh an t-saoghail a’ toirt oidhirp air cuid de na dleasdanais so a chur an gniomh. Gun teagamh sam bith tha moran ’a toirt oidhirp air pàirt dhiubh a chur an gnìomh. Ach tha e soilleir do gach neach a ghabhas beachd air, mu oibrich an duine mar is còir dha nach urrainn da aa dleasdanais eile a chur an gnìomh gu cothromach agus gu ceart. Mar is trice is e an duine a ’s lugha a ni de ’n obair a théid aig air a dheanamh, a ’s mo bhristeas an t-sàbaid. Mar an ceudna, tha bhith “posadh agus a leigeadh a’ cosnadh,” cho cumanta measg dhaoine ’s gu bheil e air tiginn gu bhith ’na ghnath-fhacal anns an dùthaich. Tha moran ann am beachd nach coir do dhaoine uaisle, no do dhaoine saoibhir an làmhan a chur ann an car oibrach. Is beachd anabarrach nearachdach am beachd so. Ma bheir sinn fa near e, tuigidh sinn nach robh duine air an t-saoghal bu shaoibhire Adhamh. Bu leis, ann an seadh àraidh, an saoghal mu’n iath a’ ghrian, agus na bh’ air uachdar. Ach air a shon sin, chuir an t-Athair neamhaidh a dh’ obair e. Cha ’n fhaodadh e bhith ’g imeachd mu’n cuairt gun char g’ a dheanamh mar a chi sinn moran dhaoine bochda, agus de dhaoine beairteach air an latha ’n diugh. A thaobh uaisle, faodar a rádh gu robh Adhamh cho uasal ri duine a bha riamh air an talamh. Tha moran an dùil nach coir “duine uasal” a ràdh ri duine mur ’eil e beairteach. Bha sinn mar tha a’ comharrachadh a mach gu robh Adhamh saoibhir. Tha fhios againn gu ’n do chruthaicheadh e ann an staid naoimh agus shona. Bhuilich Dia tuigse agus eolas agus gliocas air ann an tamhas mor. Air dhuinn a bhith ’creidsinn gu ’n do chruthiach Dia na h uile nithean gu ro mhath, tha e soiileir dhuinn gu ’n do bhuilich e air Adhamh gach buaidh mhaiseach a b’ urrainn a bhith air duine uasal no iosal. O na nithean so faodar a thuigsinn nach ’eil aon chuid am bearteas no an uaisle ri daoine chumail o bhith ’deanamh na h-oibre a thug Dia dhaibh ri ’deanamh. Mar an ceudna faodaidh sinn a thuigsinn nach ’eil e ’na aobhar nàire de dhuine sam bith a bhith ’g obair. An àite so, ’s ann a tha ’na chùis nàire do nach sam bith a ’s urrainn obair a dheanamh, a bhith ’na thàmh. Thugamaid a nis fa near an eisimpleir a chuir an dara Adhamh f’ar comhair. Tha e sgriobhta nach robh Iosa ’na thamh mu’n do thoisich e ri searmonachadh an t-soisgeil. “Nach e so an Saor?” Tha na briathran so gu soilleir a’ comharrachadh a mach dhuinn gu ’n d’ ionnsaich Iosa an t-saoirsneachd, agus gu robh e ’g obair air a’ cheairrd so gus an d’ thainig an t-am anns an robh aige ri dhol a mach, ann an cumhachd an Athar, a shearmonachadh an deagh sgeil, agus a dheanamh nam miorbhuilean iongantach sin leis an do dhearbh e cho soilleir do ’n e-s oghal gur ann o Dhia a thainig e. Ann am baile Nasaret bha e ghnath aig an obair a thugadh dha ri deanamh; agus ’na dheigh sin bha e ’sior fhalbh o aite gu aite, agus a’ sior dheanamh math. Mar so dh’ fhag eisimpleir againne a chum gu leanamid a cheumannan Theagaisg e dhuinn gur e an aon doigh air an urrainn sinn a bhith mor, sinn a bhith ’nar seirbhsich do na h-uile. Theagaisg e dhuinn mar an ceudna nach ’eil aite aig seirbhiseach leasg agus olc idir an rioghachd Dhe. IAIN. Is ainneamh leis na h-uilc a bhith ’nan aonar. Is tric leis na breugan a bhith ’n cuideachd na braide. Is tric le mi-bheus a bhith, n cuideachd na misge. Tha gu leòr aon dìolaid a chur air aon each. Mar an ceudna tha gu leór aon eallach a chur air druim duine sam bith. Am fear a ghabhas os laimh mòran a dheanamh, faodar a bith cinnteach nach teid aige air a dheanamh ach fior bheagan. Cha toill an gliocas gu léir anns an aon cheann. Cha’n e so a tha iomadh neach a’ creidsinn. Tha dùil aig cuid gu bheil gliocas an t-saoghail uile ri ’fhaotainn ’nan cinn fhein. Is e so an dearbh chomharradh leis an aithnichear chò amaideach ’s a tha iad, Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge. [TD 162] [Vol. 3. No. 21. p. 2] COMHRADH NAN CNOC. Fionnladh Piobaire, agus Mairi Bhean. MAIRI.—Cha b’ ìoghnadh leam fhéin, ’Fhionnlaidh, a ghràidh, ged bhiodh am fogharadh gu maith tràthail am bliadhna. Tha ’n Teachdaire Gàidhealach ag ràdh, gu-m bi ’n cruithneachd abuich ’an ceann fhichead latha. Cha-n fhaod e ’bhith nach tèid thu ’mach am bliadhna; b’ fhéairrd thu fhéin, ’eudail, sgrìob a thoirt a dh’ fhaicinn an t-saoghail, ’s tha ’m figheadair, ma dh’ fhaodar earbs’ as, a’ gealltuinn gu-m bi an Clò dhachaidh ’an ceann latha do dhà. FIONN.—An do thòisich thu, ’Mhàiri? ’S e ’m fogharadh so fhéin a chaidh eadar thu ’s cadal na h-oidhche; fhad ’s a gheibh mise cosnadh maith ’s an dùthaich, c’ar son a rachainn a mach gu Galldachd air a thòir. MAIRI.—C’ait’ am faigh thusa cosnadh dùthcha a’s fhiach a ghabhail? FIONN.—Gheibh mi, agus gu leòir dheth. Nach ’eil Fear-a’-bhaile ’dol a chur suas gàradh-droma air a’ bhliadhna so, far am faigh mi obair mhaith a’ buidhinn chlach, agus cothrom agam air a bhi a’ m’ thigh fhéin gach oidhche? MAIRI.—An e gu-n rachadh tusa a bhuidhinn chlach, a dh’ fhaotainn do shùilean a smùideadh asad le fùdar, mar thachair do dh’ Eòghan mòr clachair, ged b’ eòlach e; agus a thuilleadh air sin, a mhilleadh do mheur? Cò an sin, ’Fhionnlaidh, a gheibheadh urram an latha am measg nam Pìobairean, agus do mheòir-sa, ’ghràidh, cho cruaidh ris na h-adhaircean? FIONN.—Nach ’eil Celp r’ a deanamh; cha-n olc an obair sin, ged tha móran de ’n t-samhradh seachad? MAIRI.—Ceilp! Cha b’e m’ Fhionnladh fhéin a leiginn g’a deanamh; diù gach cosnaidh. Thus’ a’ d’ Cheilpeir, ’Fhionnlaidh! cha bhi gu dearbh; is cuimhne leam duineachan beag, prabach o ìochdar Mhuile a bha ’s an dùthaich a’ deanamh Ceilpe o cheann bliadhna no dhà: cha luaithe thigeadh e stigh do chuideachd, na bhiodh na h-uile adharc shnaoisein a mach. FIONN.—Cha chuala mi thu riamh, a Mhàiri, a’ labhairt cho amaideach. Cha dubhairt thu focal a’m’ aghaidh mu dheireadh an fhoghair a dh’ fhalbh a’n ’àm a bhi ’smiùradh nan òisgean, ged bu shalach an obair i seach a bhi ’deanamh na Ceilpe. MAIRI.—Cha-n ionann, gu dearbh, do’n dà chuid. ’N i’n teàrr ghlan, ’s an t-ìm, agus fallus chaorach, ’g an cur ’an coimeas ri Ceilp shalaich? FIONN.—Nach maith an cosnadh a fhuair mi an uraidh a’ rùsgadh na coille; nach do phàigh mi mo mhàl, nach do chuir mi stigh min an t-samhraidh, agus bloidh-seiche leathair, le ’dlighe de leathar-iall? Cha-n ’eil fhios am faod Pàra mòr, le ’bhuain Ghallda, an ni ceudn’ a ràdh. Tha cunntas maith air an sgadan, mu thuath, agus b’ fhéarr leam dol g’a iasgach, na ’Ghalldachd a thoirt orm, gun smid Bheurl’ a’m’ cheann, na ’s mò na tha ann an sionnsair mo phìoba. MAIRI.—A dh’ iasgach sgadain! Ma ta ’s tu a dh’ amais air a’ chosnadh fa dheireadh; ìs olc a chòrdadh e riut. Gabh thusa mo chomhairle-sa, agus thoir a’ bhuain ort am bliadhna, a mach gu Galldachd, le Pàra mòr. FIONN.—Am bheil thu cinnteach an do shocraich Pára mòr a mhàl an uraidh, an déigh gach cosnaidh mhòir a rinn e? MAIRI.—Cha-n aithne dhomh cia mar tha sin; ach tha ’bhuil gu-m bheil Pàra mòr a’ dol gu fogharadh; is rìomhach, eireachdail a’ bhean aige air gach cò-dhail le ’cleòca sgàrlaid, agus le ’boineid chonnlaich, agus mis’ air an tonnaig ruaidh bhreacain, agus boineid chonnlaich cha deachaidh riamh air mo cheann. FIONN.—Cha deachaidh, a Mhàiri, agus ma dh’ fhaodas mise, cha téid. Cha leigeadh no nàire leam d’ fhaicinn ann an cuideachd, le sgùlan mòr connlaich air do cheann, mar a th’ air bean Phàraig. Tha curraichdean maith na’s leòir agad, gun bhi ’strì ri amaideachd MAIRI.—Cha b ìoghnadh leam ach thu bhi ’tighinn thairis orra. O’n a thuit duit labhairt mu na curraichdean, ’s ann an uair a chuir mi Lachann beag bhàrr na cìche a fhuair mi ribein buidhe air mo churrachd àrd, agus tha uaithe sin a nis trì bliadhna. Cha-n ’eil mise ’strì ri amaideachd, ach feumaidh daoine ’bhi cosmhuil r’ an coimpiribh. FIONN.—Sin thu ’Mhàiri, cum thusa sin suas. Cha-n imir, agus cha-n fhaod iad a bhi ’strì r’ an coimpirean amaideach; nach i a’ cho-fharpuis so a tha ’mìlleadh an t-saoghail. Cha b’ iongantach leam ged bhiodh tu ’g iarraidh sgaileagain, no mar their iad fhéin, umbrella, mar a tha aig luchd nam boineidean connlaich. MAIRI.—Ged dh’ iarrainn sin fhéin bu shuarach an gnothuch e; ach tha ’fhios agad fhéin gu-m bheil cleòca dearg, agus ceanna-bheirt a dhìth orm; agus sud dà ni a tha dhìth ort fhèin, ad agus uaireadair. FIONN.—Cha chreid mi nach ’eil a’ bhean ’n a breislich; ad agus uaireadair! C’ar son nach do chuir thu spuir agus bòtainnean ris? Cha chuir mis’ ad orm am fad ’s is beò mi; agus do thaobh uaireadair, cha-n ’eil ionndrainn agam uir. Mar thuirt Alastair dubh nan damh, Is maith an t-uireadar mo shuil, mo bhrù, ’s an coileach. Fuireamaid a Mhàiri, mar a tha sinn, gu sàmhach, seasgair: tha na mnathan, tha mise ’g ràdh riut, air bàinidh le rìomhadh. MAIRI.—Nach iad fhéin, mò thruaighe, ’tha ’ga chosnadh? Nach nàdurra, cliùiteach, gu h-àraidh, do mhnathan ògà ’bhi eireachdail tlachd-mhor ’n an éideadh? FIONN—Aidichidh mi gu-m bheil e nàdurra, ach ’s e nach ’eil cliùiteach. Bu mheasaile gu mòr dhoibh beagan d’ an tuarasdal a chur seachad air son là ’n fheuma. Is cuimhne leam-sa ’n uair nach robh bana-chosnaiche ’s an dùthaich leis nach bu ghnàth cail-eigin d’a tuarasdal a chur seachad, a’ feitheamh an fheum ri teachd; agus bhiodh plaideachan agus aodaichean eile aca a’ feitheamh là ’m bainnse: ach a nis ged tha ’m barrachd mòr tuarasdail aca, gabhaidh n druim, a’s an ceann, agus na casan air fad e. Cha-n ’eil guanag ’n am measg a nis, a chaomhnas uiread ’s a chuireas cist ’us anart oirr’ aig àm a bàis. Coma leam iad. MAIRI.—Obh! Obh! ’S tu ’leig ruith do d’ theangaidh! Ciod a’ choire ’rinn iad ort-sa? FIONN.—Tha mis’ ag ràdh riut gur anabarrach peacach an giùlan. B’ urrainn domh an ainmeachadh a tha dol do’n eaglais fo dheise shìoda, agus gun an léine air an druim; agus is aithne dhomh na ’s gràineile na sin uile, feadhainn a tha dol do’n eaglais le rìomhadh uaisl’ umpa, agus am màthair, a thog agus a dh’ àraich iad, a shaothraich iomadh là air an son, gu trom, airsnealach le fallus an gruaidhe, gun aodach, gun chais-bheirt leis an urrainn doibh dol do thigh an Tighearna. An saoil thu an sìn iad an làmh gu bonn-a-sè a chur ’am bocas [TD 163] [Vol. 3. No. 21. p. 3] nam bochd. Tha iad cho uaibhreach, ’s gu m bu nàr leo an rathad mòr a ghabhail le ’m pàrantaibh air là na Sábaid. Ni-maith a thoirt maitheanais domh ’n uair a chì mi iad cho briagha, agus fhios agam an dearmad a tha iad a’ deanamh orr-san a thu a dh’ ionnsuidh an t-saoghail iad, is rud a dhùraichdinn an rìomhadh a shracadh bhàrr an droma. Is ìoghnadh leam nach ’eil am ministeir fhéin a’ fosgladh orra as a’ chrannaig. Na m b’ ann diubh thu, ’Mhàiri, cha dubhairt iad riamh, Sud agad leannan Fhionnlaidh Phìobaire. Togamaid de’n t-seanachas, tha ’m foghar’ fhathast fad’ air falbh. MAIRI.—Cha-n e sin a tha ’n Teachdaire Gàidhealach ag ràdh: agus chunnaic mise Marsali mhòr o cheann là no dhà, agus tha togail an fhoghair ’na sùil. Aithnichidh Marsali air abachadh nan cnó ann an Ard-ghealladh, no air dath an eòrna ’s an Aoineadh-mhòr c’ uin is cóir dh’i a’ Ghalldachd a thoirt oirre, cho cinnteach ’s ged thigeadh teachdaire g’a h-iarraidh. Mur ’eil mi meallta tha i ’deanamh deas gu falbh. Tha ’n t-iomaire buntàta air Croit-an-fhraoich air ’uireadh—chuir i ’cearcan air àireachas—chunnaic mi ’n coileach Eirionnach air dùnan a’ Ghobhainn—rinn Eòghan greusaich’ na brògan—chuala mi gu-n d’fhuair i ’teisteanas o’n Mhinisteir, agus tha so uile ’n a chomharadh cho cinnteach gu-m bheil a’ bhuain ’an uine bhig ri tòiseachadh air a’ Ghalldachd, ’s a tha séideadh na muice-mara ann an Loch-Suaineart air teachd an sgadain. Faic thus Marsali, ’eudail, agus cuir do chomhairle rithe; oir tha iad ag ràdh gur foghainteach air a’ Bheurl’ i ’n uair a dh’ fhàgas i ’n dùthaìch. Fuirich thusa ’n a taic fhéin ’us an taic Phàra mhòir, agus cha-n ionndrainn thu ’Bheurla: agus ged nach bi e goireasach dhuit an cleòca sgàrlaid, no a’ bhoineid chonnlaich, a thoirt dhachaidh, feuchaidh mi ri bliadhn’ eile ’thoirt as an tonnaig ruaidh, ged tha mi cinnteach, ’Fhionnlaidh, nach bu mhaith leat mi ’bhi air deireadh air càch. FIONN.—Chì sinn, a Mhàiri. ’S e ’m màl a chur r’ a chéile an t-aon ghnothuch; ’s e so a fhreagairt gu poncail a chumas na maoir o’n dorus, agus an teaghlach gun imrich. Cha cheannaich mise aon ni dhuitse no dhomh fhéin, fhad ’s a tha uallach màil no fiachan sam bith eile thairis orm. Bìtheadh iad a’ bruidhinn mar is àill leo, agus a’ fochaid oirnn; ach a Mhàiri, creid thusa mise, gur measaile a’ bhoineid ghorm so agam-sa, an tonnag ruadh agad-sa, leis an dà bhò bhainne, am badan beag ghabhar ’us chaorach, a’ chroit bhòidheach ri taobh an uillt, far an d’ rugadh ar pàisdean, anns an do chuir sinn a cho liugha latha sona seachad le ’chéile, na rìomhadh gòrach, na maoir gach là aig ar sàil, ’s a’ bhàirlinn crocbta ris an àrd-dorus. A Mhàiri, ’eudail de mhnathan an domhain, bitheamaid gu sunndach, toilichte, a’ fuireach gu seasgair, sàmhach, mar bha na daoine o’n d’ thàinig sinn, gun bhi ’streap ri nithean nach buin duinn. Tha na leananan a’ tighinn air an adhairt. Gu-n cumadh am Freasdal sinn o ana-caitheamh a chuireadh as ar comas a bhi ’n ar dleasnas dhoibh-san.—Caraid nan Gaidheal. Lesghis Minard’s Liniment greim-droma ormsa. Chatham, Ont. BAYARD MCMULLIN Leighis Minard’s Liniment at ormsa. Walsh. Ont. Mrs. W. M. Johnson. Leighis Minard’s Liniment at-bràghaid ormsa. Parkdale, Ont. I. H BAILEY. Feumaidh daoine oichirp a thoirt air cur suas le cùisean mar a thig iad agus an uair a thig iad. Cha’n ’eil duine coimhlionta air an talamh; ach a shon sin tha Dia a’cur suas leotha, agus a’toirt orra mòran feuma ’dheanamh. O’n a tha Dia a’cur suas leis ua seirbhisich a th’aige, ’s gun a h-aon dhiubh coimhlionta, is còir dhuinne gach oidhirp a thoirt air cur suas le iomadh ni agus neach nach ’eil idir cho math’s bu mhiann leinn. Mar is mò a bhios de mheas aig duine air fhein, ’s ann is lugha bhios de mheas aige air daoine eile, Air son crup—Minard’s Honey Balsam. Ma chuirear an seabhag do thaigh nan cearc faodar a bhith cinnteach gu’n dean e cron mu’n tig e mach. Ma leign ar leis na daoine suarach, mi-bheus ach, a bhith’n cuideachd chreutaireau neo-chiontach, faodar a bhith cinnteach gu’n dean iad cron mar an ceubna. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 164] [Vol. 3. No. 21. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 24, 1894. Bu mhòr a bhruidhinn a bh’ air feadh na Roinn-Eòrpa fad na bliadhna thaobh a’ ghamhlais a bha air a nochdadh do Bhreatuinn leis an Fhraing ’s le Ruisia. Bha na Frangaich, na’m b’ fhior sgeoil nam paipearan-naigheachd, an ceann gach tacain, a’ dol air ghoil le feirg an aghaidh nam Breatunnach ’s nan Gearmailteach agus bha gach aon ag ràdh gu robh co-bhonn suidhichte eadar iad féin us Ruisia, gu’n seasadh iad an guaillibh a chéile ge b’e uair a dh’ éireadh aimhreit. Ach ’s ann a tha car eile air a dhol an adharc an daimh an dràsda. Tha Iompaire ùr Ruisia a’ nochdadh moran càirdeis do Bhreatuinn, agus ’s i bharail a tha coitchionn am measg dhaoine gu’m bi Breatunn ais a gabhail a stigh do’n cho-bhonn a th’ eadar i féin ’s na Frangaich, agus gu’m bi a Ghearmailt air a fàgail a’ mach. ’Se thug an t-atharrachadh so mu’n cuairt, ni a rinn an t-Iompaire an latha bhatar thurus dh ionusuidh an torraidh, ag adhlacadh àthar. An uair a bha e air a ’se Prionnsa Wales a thagh e à meadhoin nan Urracha-Mora uile gu coiseachd ri ’thaobh. ’Se so a thug air daoine smaoineachadh gu robh Ruisia us Breatunn a’ fàs na bu chàirdeile ri chéile na bha iad ré nam bliadhnaichean a chaidh seachad. Tha ’n t-Iompaire ur ag ràdh gu bheil roimhe ’uile dhichioll a dheanamh air sith a chumail anns an Roinn-Eorpa, ceart mar bha ’athair roimhe. Bha iadsan a bhios na’s fios dhaibh féin ag innse h-uile ni roimh laimh, ag ràdh gu robh troimh chéile mhor gu bhi ann ri linn bàs Alasdair III., ach ’s ann a tha cùisean a nis mar gu’m biodh an t-sith air a gleidheadh na’s fhearr na bha i roimhe, a’ nochdadh dhuinn cho diomhain ’sa tha e do dhaoine bhi feuchainn ri fàisneachd a dheanamh a thaobh an àm a tha teachd. Ann an Siam Tha iomadh cleachdad neonach aca ann an Siam, ach ’s e ’n rud a’s neonaiche a tha aca uile, ’bhi ’g ainmeachadh nam bliadhnachan air ainmhidhean. An àite bhi ’g àireamh nam bliadhnachan mar a bhios sinn a ’deanamh ’san dùthaich so ’s ann a their iad gu ’n do thachair a leithid so no a lethid sud de ni ann am bliadhna ’n leòghainn, am bliadhna na h-elephant, am bliadhna na caora no bliadhna beothaich air chor-eigin eile. Neach sam bith a rugadh ann am bliadhna ’n leóghainn, cha n-fhaod e bhi air a phòsadh ri té a rugadh an am bliadhna ’n uain, agus neach a rugadh an am bliadhna ’n tigeir, cha’n fhaod e bhi air a phòsadh ri tè a rugadh am bliadhnh na h-elephant. Duine sam bith a cheileas ’aois no a chuireas an céill gu’m buin e do bhliadhna sam bith eile ach a bliadhna anns an d’rugadh e, tha lagh na dùthcha ’ga ghabhail os làimh, agus ’ga pheanasachadh gu trom. ’S gann gu’n còrdadh na riaghailtean sin ruinn anns an dùthaich so; ’s fhearr an ceann dhuinn gu mòr an t-olc eòlach na an t-olc aineolach. Bha ALASDAIR an III, Iompaire marbh Ruissia air chur fo’n talamh Di-luain. Cha robh righ no duin eile anns an linn so air adhlacadh le uiread mòr chuis us greadhnachais. Bha’n latha fliuch, fuarraidh, ach ged a bha, chaidh gach ni air adhairt mar gu’m biodh an t-sìde bu bhreagha ann. Bha mòran de dh’urrachan móra na Rionn-Eòrpa a làthair, am measg cháich, Prionnsa Wales, a bhan-phrionnsa, agus Diùc York. Tha $60 de dhuais air a thoirt seachad ann an Ool-thigh na Ban Righ àn Kingston, na h uile bliadhna do’n fhear a’s fhearr air a Ghàilig. Thugadh a mach an duais sin air a bliadhna so le Murchadh Mac Fhionghain foghlumaich óg tapaidh a mhuinntir Loch Ainslie. Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 165] [Vol. 3. No. 21. p. 5] NAIDHEACHDAN CHAIDH mu leth-cheud luchd soithich de shiol ’s de bhuntàta á Eilein a Phrionnsa a chreic ann an Ceap Breatunn am bliadhna. Bha’m buntáta air a chreic eadar 28c us 35c am buiseal, agus an coirce car mu’n aon phrìs. Dh’ iarramaid orrasan nach rinn an dollar a chur air adhart fhathast, gun an tuilleadh dáil a chur ann. Cha ghabh aon àireamh dhe’n phaipeir cur a mach gun roinn mhath de dh’ airgiod a phàigheadh a mach. Bu mhath leinn uime sin gu’m biodh airgiod a tighinn a stigh. CHAIDH triùir iasgairean, Iain Hughes, Walter Hudley, agus Tearlach Spanks, a bhàthadh aig Canso deireadh na seachdain ’sa chaidh. Bha iad a mach ag amharc air na lin, agus chaid iad féin ’s am bàta fodha. Cha d’ fhuaireas an cuirp fhathast. Dh’fhàg Hughes bantrach us triuir chloinne. THAINIG soitheach-smuide a stigh gu Sidni Tuath oidhche Di-ciaduin, ’s i air a milleadh gu dona leis an stoirm. Bha i air a turus eadar Montreal us Sasuinn le luchd de dh’ fhiodh ’s de chaoraich. Bha da cheud deug caora aic’ air bòrd, agus bha cóig ceud dhiubh marbh ’n uair a ráinig i port. BHA teine mòr eile an am Port Morien, (no Cow Bay) air an t-seachdain so. Mu mheadhon-latha bhrist e mach ann an taigh fear de méinneadairean an Gowrie, agus an ùine glé ghoirid bha ’n t-sreath anns an robh an taigh air a losgadh gu làr. Bha ochd teaghlaichean air am fàgail ann dachaidh, agus cha do shàbharileadh ach glé bheag dhe’n cuid àirneis. Chan eil aon tigh fàs anns a bhaìle, agus mur cuirear suas taighean ùra dhaibh a dh’ aith-ghearr, bi’dh iad air an droch càradh. BHA Dior-daoin air a chumail mar latha taingealachd air feadh Chanada uile, anns an dòigh àbhaistich. Anns a bhaile so bha na stòraichean ’s na taighean-gnothuich uile dùinte, agus bha seirbheisean anns na h-eaglaisean. Air an oidhche bha coinneamh mhor ann an Talla na Stuamachd aig ’n do labhair na h-Urr. Mr. Forbes agus Hickey. agus àireamh de dhaoin’ eile, mu ciod a ghabhadh deanamh a thaobh cur as do chreic agus do òl na deoch-làidir anns a’ bhaile. rud air a bheil am baile glé fheumach. BHA ’m foghar agus toiseach a gheamhraidh glé bhriagha, ’s gun fior mhòran fuachd idir. Ach oidhche Luain thug on t-side car eile. ’N uair a dh’ éirich sinn ’sa mhaduinn Di-máirt, bha reothadh air na h-uinneagan, an talamh cho sgreagach, cruaidh ’sa bhitheadh e ’meadhon na dùdhlachd, agus gaoth amh, fhuar a séideadh gu làidir o’n airde tuath. Cha robh Di-ciaduin idir cho fuar, agus Dior-daoin shil dearsach mhòr uisge. Bha ’n samhradh ’s am foghar cho briagha, tioram, ’s nach eil aobhar ghearain againn ged bhiodh an geamhradh car doirbh. Air son domblasachd—Min’d’s Family Pills. THAINIG bàs gle ath-ghearr air fear Francis Arnold, tuathanach a bh’ ann am Baddeck Mhòr, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e mu ’obair mar a b’ àbhaist ’sa mhaduinn; mu dheirch uairean chaidh e na shìneadh air leabaidh gus anail a leigeil, agus an ceann beagan mhionaidean thuit e marbh air an ùrlar. ’S e tinneas a chridhe ’thug a bhás. Bha e mu thri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. BREITH. An tigh a mhinisteir, Dunbheagain, Canada Uachdrach, an ochdamh latha deug de cheud mhios a gheamhraidh, bean an Urr. Ruairidh Mac-Leòid,—nighean. Bha crith-taalmhainn mhor anns an Eadailt Di-sathairne s’a chaidh. Bha baile anns an robh da cheud deug sluaigh a còmhnuidh air a leagail gu làr; na taighean air an cur as a chéile ’s air am bristeadh Cha’n eil dòigh air fios ceart fhaotinn air meud a calla, ach tha e cinnteach gu e mor. Ann an aon eaglais bha da fhichead duine ’sa seachd air an tiodhlacadh beo. Tha iad a’ deanamh a mach gu robh air a chuid bu lugha tri fichead duine air am marbhadh. Rinn na Turcaich mort uamhasach ann an Armenia o chionn ghoirid. Tha an duthaich bhochd sin fo chis daibh o chionn uin’ fhada, agus tha ’n sluagh air an creachadh air dhoigh ’s nach eil ach gann ni air fhàgail aca. ’N uair a gheobh na Turcaich duthaich fopa, cha’n eil ni fa near dhaibh ach a spuilleadh. Chuir iad na cis-mhaoir air an turus so, gu Armenia a thogail na cise, ach chuir an sluagh na’n aghaidh, ag raitinn nach robh aca rud a phaigheadh i. Chuir an Sultan an sin ordugh am mach gu’m biodh iad air an sgrios, agus chaidh sin a dheanamh. Tha iad a deanamh a mach gu robh mu dheich mile air an cur gu bàs, agus sin air gach doigh bu bhruideile na chéile. Cha robh trocair air a dheanamh eadhon air a chloinn bhig ach bha iad air am murt comhla ri càch. Bha cuid de’n t-sluagh air am marbhadh ’nan taighean féin, cuid anns na h-eaglaisean. agus cuid anns na machraichean. Tha corr us fichead baile air fhàgail na léir-sgrios. Tha na h-Armenianich ag aidmheil a Chreidimh Chriosduidh, agus dh’fhag sin na Mahometanich na b’ fhior ghionaich air cur as doibh. Is minic a bha coltas an fhìor dhuine chòir air an dearg-shloightire. Cha’n ann ri’m faicinn is còir daoine a ghabhail idir. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 166] [Vol. 3. No. 21. p. 6] Oran do dh’ Iarla Atholl. ’S mithich dhomhsa ’bhi ’geirigh. ’S dol gu h-ealamh ’nam eideadh le sunnd; Bidh mi gluasad air astar, ’S gu Srath-Teamhair nam breac ni mi iul, ’Shealltainn farla nam bratach Leis nach b’ fhiach a bhì tais ann an cuis, Leam gur bliadhna gach seachduin Bho ’n la thriall mi a cleachdadh do chuirt. Iarl’ Atholl thaitnich, d’ fhaicinn slan, Ur shlat ghasda a’s cas-bhuidh’ barr, Deud dhluth chailceair dhreach nan cnamh, Run gach lasgaire gaisgeil, dan. Cha b’ fhear gige mach tais thu ’Dhol a dhireadh nan cas bheann a suas. Ged a thigeadh la doirbh ort Le cur sneachda, gaoth cholgarra, ’s fuachd, Cha bhiodh gruaman air d’ aire, Is cha chluinnteadh guth gearanach bhuait; Sar cheann-feadhn’ thu ’s fear-taighe Leis an eireadh na h-Athollaich shuairc. Aigear dealbhach ’s neo-chearbach beus, A shiubh’leadh garbhlach gu calma gleusd, ’Sa chuireadh earba ’s damh dearg bho leum, Le ’pheileir marbhteach ’bu ghailbheàch beum. Cha bu cheatharnach cliobach Gun sar eolas, gun mhisnich, gun speis, Ris an d’ rinn mise dealachadh Mu ’n taice so ’n latha roimh ’n de, Thall aig fonn Bad-an-Tiobairt Le a cheathairne sgiobalta ghleusd, Is le ’mhial-chonaibh seanga ’Chuireadh siubhal am eangaibh an fheidh. Cha ’n fhear suarach o nachdar frith’ Ach og uasal dh’ fhuil uaibhrich righ An triath buadhach do’m buailt’ an t-sith Le ’threum chruadal ’n uair ghluaist gu strith. ’S mor a’ cheist ’thug an crun dhiut Airson suairceas do ghiulain ’s do ghniomh; Chuir sinn Goill am mi-run dhuit, Is b’ e ’n eibhneas do chuis a chur sios, Is mor m’ eagal gu’n glac iad thu, ’N uair bhios tu ’nan taice, le ’n lion, Is gu ’n glais iad na tuir ort, Oig aigeantaich shuil-ghuirm gun ghiamh. Ceannard sluaigh thu dha’n dualchas baidh, Cridhe ’n t-suairceis gun fhuath ’na dhail; Na’n d’thoirt bhuainn thu bu truagh ar cas, Bha ’n la chruaidh sin gu uair ar bais. B’ fhearr gu mor leat, oig uasail, A bhi ’suibhal ’feadh bhruachan is bhac, Le do ghillean deas sunndach, Is an gunna nach duiltadh a’ d’ ghlaic, ’G amharc staithean an aonaich Far an cluinneamaid glaodh nan laogh breac Na bhi ’g amharc nam fealtair ’Bhiodh ag imeachd air cabhsairean Pheairt. Marcach eutrom nan steud-each seang’ ’Bhuidh’neadh reis thar nan ceud is geall; Gaisgeach treubhach ’bu bheumnach lann Ri uair feum ’s do bhreid ri crann. ’S tu ’n t-og eireachdail, ceutach, ’S tu ag imeachd air reidhlean gu foil, Gnuis ghlan sholleir na h-ailleachd, Suil a shealladh le cairdeas air slogh. ’S iomadh maighdean og uasal, Agus ruthadh ’na gruaidh mar an ros, Bhios a’ dearcadh le gaol ort, ’S leis am b’aighearrach d’fhaotuinn an coir. Oigear daicheil thu ’s aillidh snuadh, Ceist gach ailleag ’s an Airde Tuath, Faiceam slan thu le adh is buaidh, Gu la bhais is leat gardh do shluaigh. GUTH BHO’N CHAMUS. “Tha aòidhealachd nàduir A b’ fhàiltiche tuar, Fad an t-saoghail air caochladh ’Sa h-aògasg fo ghruaim; Tha giùig air na dùilean Le fùnntainn an fhuachd, Fo dhù-linn trom thùrsach Ri ciùcharan truagh.” Thanig an Geamhradh. Tha na machraichean molach, uaine air fàs odhar, lom; tha solus na grèine air fàs gruamach le tiughad na h-ìarmailt; tha eoin nam pongannann millis a cur ma dhéighinn ar fàgail cho luath ’s a’s urrainn daibh; agus tha gach preas boidheach anns am b’ àbhaist da ’n t-seillean a bhi srannraich an am trusadh na meala air fàs prabach, lom agus an cuid duilleach is flùr air crìonadh ’s air tuiteam gu làr. Is e culaidh-smaointich tha so, gun teagamh. Tha Eoghan Ruadh ag radh, “Gu de idir am mèorachadh gun bhuaidh a th’ ort? Nach eil thu faicinn a leithid so de dh’ atharrachadh a tighinn mu Shamhain a h-uile bliadhna bho na rugadh tu? Tha sin ceart, Eoghain; ach na sealladh tus agus do leithidean eile a stigh anns a chùis beagan ni b’ fhaide, cha chreid mi nach mothaicheadh sibh do rud no dha a thogadh ’n ur n’ inntinn smaointean ro-fhreagarrach a thaobh ar turuis ann an Gleann-nan-dìar. Tha cùrsa Nàduir, mu ’n am so de’n bhliadhna a’ toirt rabhaidh dùinn nach eil Samhrahh ar latha-ne dol a mharsainn ni ’s mo am feasd. Gu cìnnteach thig an latha air gach aon aginn ’s am feum sinn dealachadh ris gach toileachadh saòghalta, caillidh sinn ar slàinte agus ar coltas; thig maill’ air ar lòirsinn ’s cha chluinn sinn ach gann guth binn, tla nan cairdean; agus ma dheiradh seargaidh sinn sìos gu diblidh, brònach nuair thig fuachd trom a bhàis ’n ar caraibh. Bha dùil aginn mu’n am so’n uiridh gun bithidhmaid am bliadhna ’dol a dh’ ionnsaidh a mhargaidh gu spòrail air an each-iarruinn, ach tha’n cothrom sin cho fada bhuainn air réir coltais ’sa bha e riamh. Cha ’n ’eil e soirbh r’a thuigsinn cait’ is motha ’bheil an fhàillinn, ged tha’n luchd-riaghlaidh is feadhainn eil’ a’ sgriobhadh agus a’ gràìtinn moran ma ’n chùis; ach mar d’ thuirt an sean-fhacal, “Cha bhithidhmaid latha gun sithionn na ’m marbhadh bruidhinn eoin.” Tha fear Hussey à Boston, Sealbhadair air Méinnean Guail Bhroad Cove, a cur mu dhèighinn Pon Chloinn Iasac fhosgladh agus acarsaid a dheanamh dheth los gum faigh saghaichean mora ’stigh aun a ghiulaineas air falbh gu margadh an gual ’tha cho paillt ceithir thimchioll a Phoin. Ma ni an duin-uasal so darra leth cho math ri gheallabh, is e, gun teagamh sam bith, Geancach a’ fhearr a chunnaic sinn fhathasd. Chuir sinn oidhche Shàmhna seachad leth choltach ri oidhche eile. Tha na seann chleachdanan amaideach a’ dol gu mor à fasan. Gheibhear an fhuarag mar is tric fhathasd am measg clann nan Gàidheal, agus gu cinnteach cha bhi an t-oigridh toilichte mar a teid fàine thilgeil innte. Ach mo chreach! ’s ioma fear agus te ’fhuair a faine air a spàin, o chionn dusan bliadhna, tha fhathasd a “gleidheadh a chlobha.” IS MI. An t-Samhain, 1894. O’N AMHUINN MHEADHONAICH. Tha ’m bàs a’ deanamh bheàrnan ’nar measg. Chaochail a trìuir bho’n sgriobh mi roimhe. Bha Bean Andra ’Ic Theàrlaich, boirionnach òg, cliùiteach air à gairm dhachaidh air an 18mh. latha de September, agus air an 18mh latha de October, dh’eug Bean Choinnich ’Ic Gill-fhinnein. (an t-eildear), an deigh moran tinneis fhulang gu foighaidinneach ré uin’ fhada. Bha i ’na bean air an robh mor mheas agus bha i airidh air. Bu mhàthair i do’n Urr Alasdair C. Mac Gill-fhinnein, B. D; a Dalhousie Mills Ontario. Air an 21 mh latha de October, thàinig bàs gléath-ghearr air banthach Ghilleasbuig Dhùghlaich. Thàinig i nuas an staidhir leatha fèin ’sa mhaduinn, agus mu uair an deigh dhi a dhol suas feasgar, shiubhail i gun mòr phain sam bith fhulang. “Tha sean us òg a’ dol sios do’n uaigh, Air lag ’s air laidir tha ’m bàs toirt buaidh, ’Nuair thig an t-am dhaibh an saoghal fhàgail Ma’s tinn no slàn iad cha tàmh iad uair.” Bith mi gu tric a’ faininn ann ad Phaipeir, iomradh air seann daoine Thachair mi air seann duine còir ann am Beinn nan Geàrloch, Uilleam Iain Bhàn ’Ic Coìnnich. Bha e ceud bliadhna ’sa h-ochd a dh’aois air an dárna latha deug de dh’Ogust. Tha e gu treun ’na bhohaig ’s ’na bhuadhan fhathast. Choisich e ’n la ud còrr us mile gu coinneamh a bha anns an aite, agus an la ’n delgh sin, thachair e orm aun an taigh coimhearsnaich, agus ghabh e dhomh earann de laoidh a e fhéin an deigh dha bhi thairis air ceud bliadhna. Rugadh e air fearann Sir Francis ’Ic Coinnich, ’an Gearrloch ann an Siorramachd Rois. Bha e air a bhaisteadh leis an Urr. Domhnull [TD 167] [Vol. 3. No. 21. p. 7] Mac-an-Tòisich, a bha ann an Strath-Ghearrloch. Cha’n eil ach da fhichead bliadhna ’sa ceithir bho’n tháinig e do’n dùthaich so. Cha ’n eil teagamh agam nach b’ fhiach a chuid bàrdachd cùram a ghabhail dhith. Aig a choinneamh a dh’ ainmich mi, bha e fhéin us cuid de ’chloinn, de òghaichean, ’s de ’iar-oghaichean, cruinn còmhlath, sealtadh nach fhaic duine na h-uile latha. Tha seann duine còir eile againn a tha ’dol ’sa cheud bliadhna—Aonghas Caimbeul. Rugadh esan ’sa Chomaraich, us thainig e mach à Port Rìgh ’san luing “Polly,” air an d’ rinn aon de d’ sgriobhadairean iomradh o chionn ghoirid ’sa MHAC-TALLA. Tha e fhathast na’s tapaidhe na iomadh aon nach eil ceithis fichead. Bha mar-iasgaich air a chur a mach leis an luchd-riaghlaidh o chionn ghoirid gus am bradan a tha tigh’nn a náird an amhuinn a shàbhaladh o na h-iasgairean. Ach ’s e ’s dòcha leam nach téid ac’ air an gleidheadh uile bho na balaich. EBENESER. Bith fuath aig daoine gu nàdurra do’n mhuinntir air an dean iad cron; ach bidh tlachd aca do’n mhuinntir do’ ’n dean iad math. Ann an Japan, a tha aig na h-uile fear-oibreachd ri sgriobhadh a bhi air a churrachd ’s air a dhriuim, ag innse ciod is ceaird da, agus cò dha tha e ’g obair. Am fear aig am bi meas mòr air fhein cha bhi e toilichte mur bi daoine ’ga shior mholadh. Ach cha’n ’eil rud a’s lugha air na bhith ’cluinntinn a bhith moladh dhaoine eile. Tha ochd ceud deug ’s còig duine fichead (1825) air am marbadh ann am méinnein-guail Bhreatuinn na h-uile bliadhna. Tha sin mar gu’m b’eadh, còignear na h-uile latha. Chaidh iolaire dhubh a mharbhadh ann am Margaree an la roimhe, a thomhais da phunnd deug, agus a bha seachd troighean eadar bàrr an da sgéith. Chaidh a marbhadh le Domhnull Ros. Am fear a chailleas a chuid, cha bhi meas sam bith air, eadhon aig na baoine ris an robh e cho fialaidh’s gu’n do chur e e-fhein thun na h-aimbeirt. Neo-ar-thàiug nach molar fear fhad ’s a bhios sùil aig daoine ri pàirt de ’chuid fhaotainn. Tha am facal ag ràdh, gur beò na h-eoin ged nach seabhaig. Tha so fiòr gu leòr. Tha e fior gu leor mar an ceudna gu faod daoine ’bith beò gu leòr ged nach biodh iad a latha ’s a dh’oidhche ’nan culaidh-eagail do gach creutair a bhios mu’n cuairt dhaibh. Mar an ceudna faodaidh daoine bhith beò gu leòr ged nach biodh iad air am biathadh gach latha le feòl ’s le sithinn. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an lionmhòrachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. [TD 168] [Vol. 3. No. 21. p. 8] LONG LOCH LAGAIN. LE FEAR STRATH MHATHAISIDH. Bha Lachinn Mac-Mhuirich, Fear Fear Strath Mhathaisidh, na sgoilair math, na dheagh bhard, ’s na dhuine gasda. Cha mhor de na baird a dheanadh oran magidh na b’ fhearr na e. Bha e comhnidh lamh-ri Loch Lagain. Air la araid chuir e daoine do ’n choille a ghearradh fiodha. Tharruinn iad an fiodh a dh’ ionnsidh an locha. Bha iad a deanamh rath dheth gus a thoirt gu aite sonrichte. Mun robh ’n rath uile gu leir deas ghluais e am mach bho ’n loch, agus féar do na daoine air. A reir an orain bha ’m Bard a dol am mach an deigh an fhir a bha air an rath, ach chuir Calum stad air, ag radh gun robh e gu leor aon duine a bhi baite. Shaoil an fheadhinn a bha ’fuireach air taobh eile an loch gur h-e long tombaca a bha ’son rath. An deigh iomad comhairle a ghabhail rinneadh bata leis an dugadh air tir fear a bha ’sa chunnart. LUINNEAG. O! nach tilleadh Mo robairneach gaolach, Le bhirlinn bhig, laghich, ’Dol air ’adhart ’na aonar Ag imeachd na linne Gun iomirt, gun aodach, B’ aighearach sinne Nan tilleadh a ghaoth e. Dh’ fhalbh e uam, ’s gum bu nar sin, Ged bu teann ri mo thaobh e; Thanig Calum ’san am Ann san robh chlambrich ’s a ghaoir ann, ’S thuirt e, Fhir tha ’dol dana Teann an nall, ’s duine faoin thu, Cha deice dhuinn na tha baite, Stad ’s fag thall air a chàol e Thuirt an sgiobair, Faigh each dhomh, ’S theid mi mach leis air ghaoisid; Dh’ fhalbh an t-aon fhear hu tapaidhe O’n chaismeachd gu fhaotuinn; Ach thuirt Ciorstidh gu cas ris, Fan air t’ ais, cha deid taod ris; Cha leig mis’ an t-each breac ann, Ged nach faicteadh e. Bhuail e suas air Loch Lagain, ’Se gu baganta, cuanta, Marich og le luing chabar, Taobhain fhad’ agus cuaille, ’Reubadh luim-dheirg nam bradan Gus am b’ fhada leinn uainn e; ’S bu mhor mhor m’ eagal nach stadadh Aona ghad d’ i gun fhuasgladh. Thaing oirnn ann san am ud Sgiobair ceann-dearg Aird-Mheirgidh, ’S thuirt e ’n gearr fhaclibh cainnt’, Tha brathair-ceirde ’na eiginn: Ma ’s a mariche ’th’ ann, Is cinnt’ gu ainneart d’ an geill e, Bidh mo bhean-sa ’na bantaich Mun caillean leis fhein e. Mo chreach mhor, arsa Muirtach, Mar tha ’n sgiobair an cruadal; B’ eolach mise mu’n duin’ ud, ’S gum b’ e ’n curidh beag ruadh e. Lamh a stiuireadh a bhata Ann an gairich nan stuadh e, Is mur faigh sinn a thearnadh ’S mor an call do’n taobh tuath e. Bha an tuath a tha thall ud Aig Alasdair seachdain Is an corr air an sgaradh Le cruaidh ghainne ’n tombaca. Bho nach faiceadh iad cailleach No ceanniche paca, ’S ann a dh’ fheumadh fear falamh Bhi ga fhalach gù ’n seachnadh. Ruith an uachdaran baighail A chum sar aite faicinn; Thill e ’s thuirt e, Fhior ghraisg sibh, Faigheam gair agus tlachd bhuaibh; Tha long mhor air an t-saile, ’S i lom-lan de thombaca; Thanig cobhir an trath so Bho mo nabuidh-sa, Lachinn. Ghlaodh iad uile le ard ghuth, Manadh ba agus capuill Air an fhear ’thug a cas sinn ’N uair a bha sinn air acras; Cinnteach gheibh sinn sa bhata so A bharr air tombaca, Alm is biorsal is madar Thun an t-snath ’tha gun tachras. Bhuail iad sios mar luchd cogidh Le mor shogan gun mhi-ghean; Gum bu dluith’ iad nam bradan Thun a chladich nan duibh-ruith; Cuin n chaidh thu air saile? Asa ceannan na buidhne, ’S dh ’eigh somhairle Ban ris Greas an nall is thoir dhuinn rud. Flur math air $3.50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. 1894. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 169] [Vol. 3. No. 22. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 1, 1894. No. 22. Litir a Baile New York. Fhir mo chridhe,—’S ann do Ghàidheil Chanada bu chòir a bhi pròiseil gu ’m bheil paipeir naigheachd air a chlo-bhualadh dhoibh bho sheachduin gu seachdain ann an canain tir an dùthchais, a chànain aosda bhlasda sin a bha cho measail anns na linntibh a dh’fhalbh. Tha ur luchd-dùthcha air an taobh so do ’n chrìch a’ cur fàilte air MAC-TALLA; tha thighinn na comhara leinn air misneach agus dillseachd Gàidheil Chanada chum an cainnt-mhàthrail a chumail beò. Bu mhithich do na Gàidheil anns gach cearn do ’n t-saoghal a bhi toirt fainear gu ’r h-i Ghàidhlig an ite ’a àirde tha na ’m boineid. Tha bhi cumail suas sean-cleachdaidhean dùthchasach math gu leòir na ’n àite féin. Is taitneach an ni ceòl na pioba mar thi i air a cluich ann an achlais fir do ’n aithne i. Is bòidheach an sealladh Gàidheil sgeadaichte an éideadh a thir, ach as eugais na Gàidhlig cha bhi ann an cosg bhreacan ’us bhiodagan ach aobhar mhagaidh. Ma dhiobaras sinn ar gradh do ’n Ghàidhlig cha bhi fada na dheigh sin gus am faic sinn deireadh eachdraidh ar sluaigh. Bidh ar luchd-leughaidh toilichte a’ chluinntinn gu ’m bheil Gàidheil New York a cur rompa nach faigh a Ghàidhlig bàs ’sa chearna so do ’n dùthaich, Dh’ fhosgail iad Sgoil Shàbaid air a mhios s’a chaidh ann an aon do dh’ eaglaisean mor a bhaile, Marble Collegiate. Tha Domhnull Mac Mhuirich, fior Ghàideal de mhuinntir na Marbhaine, gille tuigseach aig am bheil Gàidhlig fhallain, bhlasda, na F-hear-teagaisg. Tha dlùth air da fhichead de sgoilearan aige cheana, buinidh roinn mhath dhiubh do Nova Scotia. Tha ’ur luchd-dùthcha a gabhail tlachd mor do ’n Sgoil Shàbaid, agus cha ’n ’eil ioghnadh ged a tha, is mòr an onair dhaibh a bhi cruinneachadh le chéile bho Shàbaid gu Sàbaid a’ rannsachadh focal Dé na ’n cànain, féin a chanain aosda sin a tha cho freagarach chum saillse agus maise chur air an Fhirinn. Thug àireamh do Gàidheil a bhaile oidhirp gu gairm a thoirt do ’n mhinister ainmeil, Lachuinn Mac Illeathain a Chicago, ach aig an àm so cha ’n eil an rathad réidh dha. Tha cuid da cháirdean an dochas fhaicinn suidhichte ’sa bhaile so fhathast. Tha Comunn Gàidhealach New York a coinneachadh uair ’sa mhios, ach tha mòran Ghall na ’m measg, agus, mur a dean sibh luaidh air, tha barrachd fòghlum anns na casan aig mòran diubh na tha na ’n cinn. Tha Gàidheil thuigseach a tha eudmhor a thaobh math a Chomuinn a bruidhinn air Comunn ur Gàidhlig a chur air chois a chumas suas cànain, ceòl agus cleachdaidhean ar sinnsir anns an dòigh an cubhaidh do Ghàidheil. “A’ chànain aosda, ghlòrmhor, bhinn, A dhùisgeadh fuinn nam Bàrd, Am fan sinn diomhanach gun suim, ’Us daoi ’g a cur gu bàs?” Is mi, le deagh dhùrachd, ’ur coimhearsnach. AMERICANACH. Aisling Anna. Bha Anna ’na boirionnach tapaidh gus a cuid fhéin a thoirt a mach, agus cha robh nì sam bith a dh’éis oirre fhad ’sa gheibheadh i le iarraidh e. Bha i cho math air gabhail na piob thombaca ’sa bha i air òl na tì, agus cha b’ ann air gabhail an t-snaoisein dad bu mhios’ i. ’Nuair a rachadh neach a steach g’a h-amharc, gheibhte i mar bu trice ’na suidhe air stòl beag ri taobh an teine agus a’ phiob ’na pluic, agus i ’na fallus a’ bleith snaoisein le cnap a’ chlodha ann an slige mhóir bhàrnaich. Aig a’ cheart àm chìte a’ phoit thì a’ goil gu farumach ’an oir an teine. Leis na h-uile ullachadh a bh’ann bha sròn agus beul Anna air an cumail a’ dol; agus tha mi cinnteach nach b’e sin an soirbh, oir da rìreadh bha gabhail an codach aca le chéile. Latha de na làithean tbachair gu’n robh i car gann de thì ’s de thombaca, agus ’se ’n smaoin a bhuail ’na ceann gu’m bu chòir dhi dhol do thigh a’ mhinisteir, o bha e ’na dhuine còir agus bean choir aige, gun fhios nach fhaigheadh i, le iarraidh no gnm irraidh, de thea ’s de thombaca na chumadh a’ dol i, air a chuid bu lugha, fad seachdainn. Nuair a rainig i tigh a’ mhinisteir chaidh i steach do’n t-seomar-dheasachaidh agus dh’innis i gu’n robh gnothach aice ris a’ mhinister agus gu’m bu mhiann leatha fhaicinn air ball. Thainig am minister far an robh i ’s fharraid e dh’i ciod an gnothach a bh’ aice ris. “Mata a Mhinisteir,” ars Anna, “chunnaic mi aisling ro chomharraichte ’raoir‘ agus thainig mi feuch am breithnicheadh sibh dhomh i, o tha sibh ’nar duine tuigseach, turail; agus gun a bhith ’g ar cumail fada feitheamh so agaibh i! Air leam gu ’n d’ thainig mi an so agus gu ’n d’thug sibh fein dhomh punnd thombaca, agus beam-an-tighe punnd tea.” “Ma ta Anna;” ars’ am ministeir, “tha iad ag radh gur coir gach aisling a bhreithneachabh na h-aghaidh. “Ma ta ’mhinisteir” ars Anna, tha sin pailt cho maith leam agus na h-uile buille cho maith dhomh, oir gabhaidh mi gu toileach am punnd tea uaibh fein agus am punnd thomacca o bhean-an-tighe.” Ma fhuair gus nach d’fhuair Anna uireid ’s bu mhainn leatha fhuair i co dhiu fiach na saoithreach. Fasaidh daoine, mar a ni lusan, ban agus beag ma tha a’ghrian air a cumail uatha. ’Si deadh shlainte solus-greine a’ chuirp: ’si inntinn aoibhneach solus-greine an anama. Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar. Air son casdaich—Minard’s Honey Blasam. [TD 170] [Vol. 3. No. 22. p. 2] LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE G’A MHNAOI. A MHAIRI, A GHRAIDH, IS bliadhna leam gach là o ’n a dhealaich mi riut fhéin agus ris na pàisdean. Tha mi ’n tràs’ ann an Glascho mòr nan stiopall, baile na gleadhraich. O! nach robh mi aon uair eil’ a’ m’ shìneadh air bruach na h-aibhne far nach cluinninn ach torman nan allt, bàirich nam bò, agus ceilearadh nan eun. Tha mi ’nis, mar a gheall mi, ’dol a dh’ innseadh dhuit mar fhuair mi a mach. Tha cuimhn’ agad fhéin mar a dhealaich sinn. Thog mi orm le bocsa na pìoba gu beul a’ chaolais; ’s ann an sin a bha’n othail: Marsali mhòr agus na buanaichean a bha leatha cho aoibhinn aighearach, ’s ged nach biodh iad ach a’ dol do’n choille chnó. Cò ’bha ’m broilleach na cuideachd ach Pàra mòr le ’eile-beag ’s le ’bhoineid, mar a b’ àbhaist da—cuaille de bhata daraich ’n a làimh—màileid de bhian gaibhre air a dhruim. Fàilt’ ort, ’Fhionnlaidh Phìobaire, ars’ esan, gu-m meal thu do bhrigis. Ma ta, arsa mise, tubais oirre—’s i so a’ cheud uair a chuir mi orm i; na-m fuir’eadh i shuas cha bu ghearan e; ach tha mi cheana cho sgìth dh’i ’s a bha dà bhliadhnach eich de’n ghad, a’ cheud oidhch’ a chuireadh air e. A mach ghabh sinn ’an coinneamh soitheach na smùide, a’ Mhaighdean-Mhorairneach, mar a their iad rithe. Bha i ’teannadh oirnn o Mhuile, a cur nan smùid d’i. Tha i so a’ tighinn, arsa Pàra mòr, an aigeannach mhaol ghrànda, le ’gleadhraich, ’s le ’h-ùpraid; cha b’ ìoghnadh leam ach a’ Mhaighdean a ràdh rithe; b’i sin a’ Mhaighdean gun mhodh, gun eisimeil. Tharruing i oirnn, le caoiribh bàna fo ’sròin—a’ slachdraich, agus a’ sloisreadh na fairge foipe, ’bha ’g éiridh ’n a h-iomairean bàna còbhragaich a nunn gu h-Aros. Thàinig i ’nuas oirnn a’ bagradh ar smàladh fo ’cuibhleachan. Fa dheireadh stad a’ bhéist—’us cha luaith’ a stad na cuibhleachan o ’dhol mu ’n cuairt, na ’thug feadan fada caol, a bha suas ri taobh an t-simileir mhòir, aon ràn as a shaoil mi ’sgàineadh mo cheann. ’S ann an sinn a bha ’n ùinich ’s an othail an dol ri cliathaich na Luinge, a h-uile beul ’s a’ bháta fosgailte ’s an aon àm—gun urram fear d’a chéile. Ma ’s i Marsali mhòr thug i ’mach a’ Bheurla sin nach do chleachd i o ’n a bha i ’n uraidh air a Ghalldachd; cò ach ise—bha ’Bheurla ’s a’ Ghàelic ’am measg a chéile. Dean fodha, ars’ an dara h-aon, nach iomair thu, a mhic do mhàthar, ars’ an t-aon eile: a stigh an ràmh bràghad shuas, buile ’g a deìreadh shìos: Cani, cani ’illean, arsa Marsali mhòr—gu réidh, ars’ a h-uile h-aon. Mur bhith mo nàire, ’s mar a bha mi ceangailte ’s a’ bhrigis, bha mi ’mach a shnàmh gu tìr. Fa dheireadh thàinig ball cainbe le fead mu’r cluasaibh, agus ghlaodh gach neach, Cum air gu gramail, ’Iain Bhàin. Thug a’ Gheòla aon sàthadh aisd’ a nunn gu taobh na Luinge, agus shaoil leam gu n robh sinn thairis Fhuair mi ’suas, ach cha-n fhios domh cionnas; ’us cha mhò bha ’fhios agam c’àit an tionnda’inn. Tha thu ’n sin ’Fhionnlaidh, arsa Pàra mòr, mar bhò mhaoil ’am buailidh choimhich. Thig leam a dh’ amharc mionach na Maighdein so fhèin, a dh’fheuchainn an tuig sinn mar tha ’bheairt innleachdach ag iomairt. Ach ma chaidh, ’s ann an sin, a Mhàiri, a bha ’m fire, faire!—Sailthean iaruinn agus slatan a’ gluasad a nunn agus a nall, a sìos agus a suas, air an ais ’s air an adhart, gun tàmh, gun stad; cnagan agus gòbhlan agus eagan a’ freagairt d’a chéile. Cuibhleachan beaga ’n na deann-ruith mu na cuibhleachan mòra. Duine truagh shìos ’am measg na h-acfhuin, a’ cur na smùid deth, far nach saoileadh tu am am b’urrainn do luch dol gun a milleadh; ach bha esan a’ gluasad air feadh na h-ùpraid, cho neo-sgàthach ’s a rachadh Pàra mòr no mise ’am measg nan caorach; ag àrmadh gach acfhuinn, achlais, udalain, agus feadain le h-olaidh agus le h-ìm.—A dhuine thruaigh, arsa Pàra mòr, ’s ann agam nach ’eil sùil ri d’ àite; is daor a tha thu ’cosnadh d’arain. C’ar son ars’ esan? ’s e ’tionndadh ’suas a shùl a bha ’snamh ann am fallus. Ged a labhradh a’ ghèimhleag iaruinn a bha ’n a laimh, cha b’ urrainn duinn barrachd ìoghnaidh a bhi oirnn na ’n uair a chuala sinn an duine so a’ labhairt na Gàelic. Nach do shaoil mi, arsa Pàra mòr, gur Sasunnach, no Eirionnach no Gall bochd a bh’ ann. Thàinig e ’nìos, a’ siabadh an fhalluis o ’ghnuis le bad còrcaich a bha ’n a laimh; agus thòisich e air beachd a thoirt dhuinn air an acfhuinn. Ach ’eudail, b’ i sin an fhaoineis. An saoìl thu, a Phara mhòir, a deir mise, nach anns a’ cheann a smaointich ’an toiseach air so a bha’n innleachd? Coma leam e fhéin ’us ’innleachd, arsa Pàra mòr. Is mi-nàdurra, peacach an innleachd so fhéin, a’ cur sruth’ agus soirbheis an Fhreasdail gu’n dùlan, a’ dol ’n an aghadh gun seòl, gun ràmh.—Coma leam i;—cha-n ’eil an innleachd so cneasda. B’ fhèarr leam a bhi ann an Geóla dhuibh Acha-na-craige—Eòghan an Rudha air an stiùir a’ ruith le croinn rùisgte, troi’ Bhuinne-nam biodag, na ’bhi innte—tha mi ’g ràdh riut nach ’eil an innleachd so cneasda. Mar a bhà sin a nunn gu ceann Mhùsdail chuala mi fhéin sgal pìoba air mo chùl, agus air dhomh tionndadh cò bha ’n so ach balach ronnach de mhuinntir Thirithe, a’ gleusadh a phìoba, ’an fhad ’s a bheireadh duin’ eile cuairt aisde. Ma ta, arsa Pàra mór, “Is ceannach air an ubh an gloc.” Cia mar tha so a’ còrdadh riut, ’Fhionnlaidh, ars esan? Is searbh a’ ghlòir, a deir mise naeh fhaodar éisdeachd. Chluich e, fa dheireadh, “Bodach-nam-brigisean,” agus mu’n do sguir e dh’ i, bha mi cho sgìth dheth fhéin ’s da cheól ’s a bha mi de ’n bhrigis lachduinn. Co ’bha ’n deireadh na Luinge, ach Alastair ruadh Mac-an-Abraich, Tighearna Chola. Mhothaich e dhomh fhéin, agus sméid e orm—cha robh maith a dhiùltadh—bha mòran uaislean shìos leis air clàr deiridh na luinge: Sasunnaich, Goill, agus Frangaich. Cuid diubh a’ leughadh, cuid ’n an cadal—cuid a’ méananaich, cuid ag itheadh. Fear dhiubh le gloin’ amhairc fhada, rìomhach r’a shàil, mar gn-m biodh e ’dol a losgadh air Caisteal Dubhairt; mhothaich mi fear fada caol, glas-neulach le speuclair air a shròin, ’us bioran ruadh ’n a làimh leis an robh e ’tarruing dealbh a’ Chaisteil. Bha baintighearna mhòr, rìomhach ’n am measg agus measan leibideach de chù beag, molach ’n a h-uchd, ris an robh i a’ brìodal, agus ’g a phògadh; agus dà mhaighdein òg’ leatha, air an robh rud nach faca mi riamh roimhe, brigisean geala anairt, fo ’n chuid eile d’ an aodach. Thug mi fhéin a mach a’ phìob mar a dh iarr iad, ach a’ cheud sgal a thug i, theich gach aon diubh ach aon Sasunnach mòr, reamhar, a shuidh mu’m choinneamh le dhà mheur ’n a chluasaibh, agus sgraing air mar gu-m [TD 171] [Vol. 3. No. 22. p. 3] bithinn a’ g’ a itheadh. Ma bha ceòl ’am measg nan uaislean, bha ceòl agus dannsadh ’an ceann eile na Luinge. Ach mar ’bha sinn a’ dol sìos gu Eisdeal, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle. Bha ’n fhairge ’n a mill agus ’n a gleanntaibh; thóisich soitheach na smùide fhéin ri dannsadh. Cha robh ran a bheireadh am feadan mór as nach saoileadh tu gu-n robh muc-mhara r’a cliathaich. Cha chluinneadh tu ’nis ach osnaichean o gach àite. Bha ’n Sasunnach mòr a bha ’fochaid air a’ phìob, ’s a cheann thar beul-mòr na luinge, ’an impis sgàineadh. An tuilleadh teannaidh ort, a deir mise, neo’ar thaing mur ’eil pluic pìobair’ a nis ort fhéin. Ràinig sinn an Crìonan. Is prìseil, arsa Pàra mòr, a’ chas air tir; a’ cheud fhocal a thàinig as a ceann o’n a chaidh sinn seachad air beul Loch-faochann. Air an là màireach ràinig sinn Glascho, àite ris an abair iad am Broomielaw; b’e sin Ceithe na h-ùpraid. Luingis na smùide a’ falbh agus a’ teachd làn sluagh, mar gu-m biodh an saoghal a’ dol do Ghlascho, agus an saoghal a’ teicheadh as. O nach d’ fhàs mi bodhar leis a’ ghleadhraich a bha ’m chluasaibh, cha chùram leam gu-n caill mi mo chlaisteachd tuilleadh. Bha sreath dhaoine* air an tarruing suas fa chomhair nan soithichean le ball cainbe mu ghuala gach aoin diubh, agus bràiste rìomhach air ’uchd. Bha iad so a’ smèideadh oirnn mar a bha sinn a’ dol gu tìr, a h-uile beul fosgailte mar gu-m biodh iad a’ cur fàilt’ oirnn; gach làmh sìnte, agus gach sùil siùbhlach mar gu-m biodh iad ag iarraidh luchd-éolais. Bha aon fhear, gu h-àraidh a shocraich a shùil orm fhéin, agus air dhomh amharc air gu geur, a dh’ fheuch an cuimhnichinn cò e, chuir e ’làmh r’a aid, agus chrom e ’cheann cho modhail; shìobhalta, ’s nach b’ urrainn domh gun an fhàilt a fhreagradh; ann am prioba na sùla bha e air clàr na luinge, agus thog e leis bocsa mo phìoba agus màileid Phára mhòir, cho eusgaich ’s a ghlacadh Gàidseir Thobar-Mhoire buideal uisge-bheatha, gun chuireadh, gun chead. Air d’ athais, arsa Pàra mòr. An cuala tu riamh, mo ghille maith, mar a thuirt Clag Scàin, “An rud nach buin duic na buin dà.” Leanaibh mis’ a dhaoin’ uaisle, ars an duine, agus e ’falbh ceum romhainn. ’S ann ’s a’ bhaile mhòr fhéin, a deir mis’, a tha ’m modh. Is fad’ o’n a chuala mi, gu-m bi gill’ aig an fheannaig fhéin ’s an fhoghar. Dh’ iarr sin air e g’ ar toirt gu tigh Eòghain òig, far an d’rinn iad ar beatha gu cridheil. Slàn leat, a Mhàiri, a ghràidh, air an àm. Cuiridh mi litir eile ’ad ionnsuidh ann an ùine ghoirid, ’n uair a gheibh mi cosnadh. Cha-n eil thu fhéin agus na pàisdean tiota as mo chuimhe. O! bi furachair mu Lachann beag, mo chuilean gaolach. Am Freasdal a bhi maille riut Guidhe dùrachdach, d’Fhir-Phosda ghràdhaich, FIONNLADH MAC-AONGHAIS. —Caraid nan Gaidheal. *Portairean a’ cheithe. Lesghis Minard’s Liniment greim-droma ormsa. Chatham, Ont. BAYARD MCMULLIN Leighis Minard’s Liniment at ormsa. Walsh. Ont. Mrs. W. M. Johnson Leighis Minard’s Liniment at-bràghaid ormsa. Parkdale, Ont. I. H. BAILEY. Dh’fheoraich bean-uasal aon uair d’a Lighiche co dhiu a bha snaosain cronail do’n eanchainn? “Cha’n ’eil,” ars’ esau, “oir cha do ghabh fear aig an robh eanchainn snaosain riamh.” Ma tha thu air son an cnatan a sheachnadh, tarruinn d’anail troimh do shrion ’nuair theìd thu mach dh’an fhuachd. ’N uair theid thu mach à rum blàth, seasgair, dh’ an ghaoith fhuar reota ’s gu’n tarruinn thu d’ anail troimh do bheul, na biodh iongatas sam bith ort ged a ghabhadh tu ’n cnatan, ’s ged a bhiodh tùchadh ort an ath latha. Chaidh dithis ghillean beaga uair bhar a chéile, agus mar is tric a thachair, thainig an trod gu buillean dhaibh, ’s cha b’fhada gus an robh fear dhiubh na shineadh ’s am fear eile ’ga fhùchdadh. “Am buail thu fhèin duine ’s e ’na shineadh” ars am fear a bha fodha. “Cha bhuail” ars am fear eile ’s e ’g éiridh. “Ma ta,” ars a’ cheud fhear, “tha mise ’dol a dh’fhuireach air mo dhruim-dìreach ’an so gus a’ falbh thu.” Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 172] [Vol. 3. No. 22. p. 4] MAC-TALLA A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 1, 1894. Tha’n Fhraing a cur roimpe Madagascar a thoirt fo chìs, agus tha na daoine ’s glice ’s an Roinn-Eòrpa a deanamh cinnteach gu’n éirich gu h-olc dhi, nach téid aic’ air sluagh an eilein sin a thoirt gu striochdadh na’s mò na bheireadh i Breatunn no Ghearmailt. Caa’n éil luchd comhairle na Frainge aig an àm so dhe’n fheadhainn a’s fhearr; cha’n eil annta ach daoine féineil leis an fhearr gu mor am math fèin na math an dùthcha, agus ’sann air son buannachd dhaibh fèin a tha iad a’ tòiseachadh air a’ chogadh so. Tha Japan, a reir gach sgeòl a deanamh a gnothuich air Sìna. Cha’n eil blàr air a chur nach eil na Sìneich a’ call, agus a’ call dona. Bha port aca a bha iad an duil nach b’urrainn do chàch a thoirt uapa, ’s e sin Port Arthur, ach tha fathunn a nise ’g innse gu bheil am port sin aig na h-Iapanich agus ma tha sin fior, cha’n urrainn do Shìna cumail ris moran na’s fhaide. Mur teid rioghachdan na Roinn-Eòrpa san eadraiginn, rud nach coltach gun téid, thig air Sina a dhol air a gluinean agus a bhi leagte ris na thogras Iapan a dheanamh rithe. Tha so glé thàmailteach do dhùthaich cho mòr ri Sina, ach cha’n eil a dà roghainn aice Thuirt an dara seirbhiseach ri ’chompanach nach robh ach car mi-chùramach mu ’anam, “car son nach ’eil thu a’ tasgaidh ionmhais duit fèin ann an Néamh? “Car son? Dé am feum a tha ann a bhi a’ gleidheadh ionmhais an sin far nach faic duine e gu bràth tuilleadh.” Chaidh fear Aonghas Domhnullach, (saor) à Arisaig, N. S., a bhàthadh aig Malignant Cove toiseach na seachdain. Fhuaireadh e ’sa mhaduinn Di-Màirt. Thathar a deanamh gu’n do thuit e le bile chladaich ’s gu’n deach e ann am paiseanadh mu’n do thuit e dh’an uisge. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’aois. Chaidh pòsadh a dheanamh ann an eaglais am Montreal an la roimhe, agus am feadh ’sa bhàtar a dol air adhart leis an t-seirbheis, thóisich clag na h-eaglais air bualadh air son bàs bantraich faisg air laimh. B’i bhantrach so màtthair nighinn dh’an tug fear na-bainnse gealladh-posaidh, nach do chum e. Chaidh an nighean as a rian, agus thugadh dh’an tigh-chaothaich i a cheart mhaduinn sin. Bha ’màthair car bochd co-dhiu, agus thug cor a h-ighinn a buille bàis dhi. Tha daoine òga glé bhuailteach air a bhith ’gealtuinn mòran nithean dhaibh fhéin nach fhaigh iad gu brath. Tha iad gu tric a’ toirt orra fhéin a chreidsinn gu ’n dean iad obair mhòr an uair a thig iad gu làn aois, agus nach ruig iad leas a bhith cho saothrachail an àm na h-òige ’s a tha daoine ag iarraidh orra ’bhith. Ach an uair a thig daoine gu aois, aidichidh iad gu robh tuilleadh ’s a’ chòr de bharail mhath aca orra fhéin. Is tric a chunnaic sinn daoine ann an suidheachadh gle thruagh, lapach, ’nan sean-aois, mu’m faodteadh ràdh, gu robh iad glé luath, láidir, pròiseil, mòr-chuiseach ’nan òige, agus gur e gòraiche na h-òige bu choireach gu robh iad cho lapach ’s cho truagh ’nan seann-aois. Casan Blatha Ma tha toil agad do chasan a chumail blàth ri fuachd a gheamhraidh, cha ’n eil agad ach na tri riaghailtean’ beaga so a leantuinn. 1. Cum stocainnean matha blàtha air do chasan. 2. Na biodh do bhrògan tuilleadh us beag: fag rùm aig an fluil air craobh-sgaoileadh. 3. Feuch nach bi do bhrògan no do stocainnean fliuch. Ma choimhdeas tu na riaghailtean so, cha ghearain thu ain feasda gu’m bi do chasan fuar. Direach mar is e an teas a tha teachd o thaobh a stigh a’ chuirp is mo comhfhurtachd, is ann o na bheil a steach a tha sinn air ar deanamh sona, is cha’n a o’n taobh a mach. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 173] [Vol. 3. No. 22. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha rionnag-smùid air an athar a rithist. Cha’n fhaicear i fhathast gun ghloinne, ach cha’n fhada gus am bi i ri ’faicinn leis an t-sùil rùisgte. Cò a’s luaithe chi i? Tha ’n t-Urr. Iain Mac Nèill, sagart Ghrand Mira, gu bhi air a chur gu Iona ’an ùine ghoirid, agus tha sagart Iona, an t-Urr. Ruairidh Mac Néill, gu bhi ann an Grand Mira. Mharbh Aonghas Patterson, aig Forks Shidni, muc a thomhais sia ceud ’s seachd puinnd deug (617). Cha mhor nach do lion i ceithir barailtean. Bha i seachd miosan deuga dh’ aois. Thuit cnap math sneachda oidhche Di-dòmhnaich, agus bha sleigheachan gu siùbhlach air feadh a bhaile Di-luain, agus fad na seachdain ged nach robh ’n rathad idir cho math ’s bu mhath leo. A mach uaithe so cha’n fhaodar cearcan-tomain no eòin-seilg sam bith a mharbhadh; duine sam bith a mharbhas faodar càin a chur air, còig nó deich dollair mu choinneamh gach eun a mharbhas e. Tha ’n stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh air a cùnntas na’s miosa na aon a bh’ ann o chionn áireamh mhòr bhliadhnaichean. Bha call mòr air a dheanamh air soithichean, agus, ged nach d’ fhuaireadh fios cinnteach fhathast, tha e ro choltach gu robh cuid dhiubh air an call, còmhla ris na h-uile duine bh’ air bòrd. Bha na paipearan Sasunnach a paigheadh $1.87 air son na h-uile facal de na naidheachdan a bha iad a faighinn a Sina mu dheabhainn a chogaidh, agus $2.60 air na h-facal a thigeadh g’an ionnsuidh a Iapan. Bha sin ’na chosguis mhòir, ach air leinn nach gearaineadh iad na’m biodh iad cinnteach gu’m b’e ’n fhirinn a bh’ ann uile. Ach cha robh cinnt sam bith ac’ air sin. Air an 20mh latha dhe’n mhios a chaidh seachad, leag an stoirm tigh le fear Pàdruig Doucet ann am Margaree. Bha a bhean anns an tigh aig an ám, agus chaidh a sguabadh air falbh a measg na droighnich, agus bha i air a droch leònadh. Chaidh fios a chur air lighiche, ach cha deanadh ni sam bith feum dhi, agus an ceann seachd uairean, chaochail i. Dh’ fhàg i teaghlach mòr, agus a chuid bu mhò dhiubh glè òg. Thug sinn iomradh cheana air duais ($60) a thatar a toirt seachad gach bliadhna ann an Colaiste na Ban-righ ann ’an Kingston, air son sgoil Ghàilig. Tha ’n duais sin air a buileachadh air a Cholaiste le Mr. M. C. Camaran, á Goderich, Ontario. Tha Maidseir Ruairidh Mac Gill-fhinnein á Gleann-Garraidh, a buileachadh duais bhliadhnail air Colaiste na h-eaglais Chleirich ann am Montreal, air son sgoil Ghailig, ach cha’n eil sinn cinnteach dé uiread ’s tha i. Tha ’n dithis dhaoin’-uaisle so a toilltinn cliù mor air son an dillseachd do chainnt an dùthcha, agus tha sinn an dòchas gu’n tig tuilleadh Ghàidheal gu bhi ris an ni cheudna. Chaidh tigh ann an New Lowell, Ont. ’na theine an la roimhe agus bha dithis chloinne, aois dha bhliadhna ’s cheithir bhliadhna, a losgadh gu bàs. Bha ’m pàrantan aig an àm a mach a’ coimhead a chruidh. Tha coi-thional a Chladaich a Tuath an deigh tigh briagha chur suás d’ an mhinisteir, an t-Urr. Iain Friseal. Tha iad ri ’moladh air son an dìchill, agus tha sinn an dóchas gu’n soirbhich leotha, agus leisan a tha air an ceann. Tha rathad-uisge St. Peters gu bhi air a dhùnadh mu mheadhon a mhios so, agus cha bhi e air fhosgladh gu toiseach an t-samhraidh. Tha ’n rathad-uisge feumach air a chàradh, agus ’s ann air son sin a dheanamh a tha e gu bhi air a dhùnadh. Tha ’n eaglais ùr Bhaisteach beul ri bhi ullamh, agus bi’dh i air a fosgladh air an 9mh latha dhe’n mhios. Tha i ’na togalach glé bhòidheach o’n taobh a mach, agus tha i cheart cho briagha air an taobh a stigh, agus tha ’n obair a th’ oirre gle chreideasach dhaibhsan a tha ’ga deanamh. ’Sa Mhaduinn Di-luain, bha ’n soitheach “Edgar E.” à Ingonish, a tigh’nn dh’ ionnsuidh an International Pier, agus thainig oiteag de ghaoith làidir oirre. Bha fear Alonzo Brewer air a thilgeadh a mach, agus mu’n d’fhuaireadh a dhol ’ga chuideachadh, bha e air a bháthadh. Bhuineadh e do Ingonish, agus bha e mu dha bhliadhn’ air fichead a dh’ aois. Cha’n eil Mor-roinn ann an Canada a nise anns nach d’ fhuair an sluagh eothrom air am barail a thaobh creic na deoch làidir innse, ach Cuibeic leatha fhéin, agus thug iad uile an guth gu làidir air son stad a chur air. Thatar a’ cur tagradh an dràsda gu luchd-riaghlaidh Chuibeic air son an cothrom a thoirt da ’n t-shluagh anns a mhor-roinn sin cuideachd. Freagairt Gu mi slan do’n AMERICANACH! Tha sinn fior thoilichte ’bhi cur eòlais ort, agus fo chomain dhuit air son do litir; tha sinn an dòchas nach i’n té mu dheireadh a gheibh sinn uat. ’S taitneach leinn a chluinntinn cho dìleas ’sa tha Gàidheil New York do chainnt an athraichean. Soirbheachadh gu robh leis a’ Sgoil Shàbaid! Agus mar an ceudna leis a’ Chomunn Ghàidhlig ’nuair a chuirear aìr chois e! Bha Peigi air leabaidh a bàis, agus cha robh aon ni a’ cur cùram oirre ach eagal gu’m pòsadh Domhnull an deigh dha ise ’chur fo ’n fhòd. “A Dhomhnuill, ’eudail,” ars ise, “feuch nach téid thusa ’phosadh té sam bith eile, an deigh mo bhàis-sa.” “O Phigi,” arsa Domhnull, “cha tig an latha chi thu mise posda ri te sam bith ach thu fhéin,” Flur math air $3.50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 174] [Vol. 3. No. 22. p. 6] Tha dithis de mharaichean na soithich Ispden anns an ospidal ’sa bhaile so. Tha fear dhiubh ’sa dhruim briste, ’s am fear eile a chas briste. Thachair so dhaibh anns an stoirm air an t-seachdain s’a chaidh. Bhitheamaid an comain na muintir o nach d’fhuair sinn paigheadh a phaipeir fhathast, na’n cuireadh iad thugainn e gun an cor dalach. Tha sinn air son na leabhraichean a bhi cho glan ’sa ghabhas iad air choinneamh na Bliadhn’ Uire. Aon uair ’s gu’n toirear slis as a’ mhulchaig chàise, cha mhair i ro fhada tuilleadh. Aon uair ’s gu’n toirear tasdan as a’ phunnd-Shasunnach, théid na naoi tasdain deug eile as an t-sealladh ann an ùine anabarrach goirid. Is fhusa gu mòr fichead tasdan a ghleidheadh na naoi tasdain deug. ’Nuair a bha ’n t-Ard-riaghladair, Morair Obaraidhean air a thurus gu Columbia Bhreatunnach, bha ’m fear a bha cumail an eich iaruinn aig obair air éideadh anns an deise Ghàidhealaich! Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e so so a cheud uair riamh a chaidh na carbadan air turus agus fear na h-inneil a cosg na féille. Rinn an t-Urr Lachuinn Mac Lachluinn searmon Gáilig ann an Chicago air an aonamh latha deug de’n mhiòs a dh’fhalbh. An deigh an t-searmoin rinn àireamh dhiubhsan a bha làthair suas gu’m biodh coinneamhan Gáilig aca o àm gu àm, agus ma bhios iad air am frithealaah gu math, feuchaidh iad ri eaglais Ghàilig a bhi aca, mar a tha aig na Gàidheil ann am Boston. Thubhairt teallsanach araidh roimhe so “gu’m bi ùine oighreachd-san” Is oighreachd i gun teagamh a ta luachmhor, ach cha toir i toradh sam bi a mach gun ath-leasachadh. Is oighreachd i gun teagamh a dh’ ath-dhiolas gu pailt saothair an dichiollaich, mur fagar earrann di fas trid mi-churaim, agus mar cuirear a mach i nis mo air son seallaidh, na air son feuma. Faodaidh deadh fhradharc a bhith aig duine agus gun e deanamh moran feuma dheth. Tha dearbhaidhean gu leòr againn gu bheil so mar so. Chi gach duine a ni feum dhe dha shuil, gu leor de nithean iongantach a h-uile taobh a théid e. Ach am fear nach toir an aire do na nithean iongantach a tha cho lionmhor mu’n cuairt dha, cha’n ’eil e ’deanamh a bheag a dh’ fheum de ’fhradharc. Iadsan a Phaigh An t-Urr. Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ont. Alasdair Friseal. Dunbheagain, do. Calum Deòra, Tormoid K. Mac Leoid, Murcha Ros, Toronto, Bean Alasdair Rois, Somerset, Mass. Iain Dùghlach, Boston, Arrn t-Urr. Iain Ceanadach, Aan, Alba. Raonull Mac Fhionghain, Anti’sh (50c. Donnacha Mac Ghrigair, Bràigh na Aimhne Deas. Domhnull Boyd, Fraser Mills, Domhnull Mac Néill, Loch na h-Aimhne Deas. An t-Urr. R. Mac Coinnich, Arisaig. Alasdair Caimbeul, St. Ann’s. Iain Gillios, Loch Ghillios, (75c) Iain Caimbeul, Bridgeport. Domhnull D. Domhnullach, Mineral Rock. Domhnull Mac Nèill, Xmas Island, 25c Iain Battleman, Forks Shidni. Alasdair Mac Fhearghais, Caribou Marsh. D. I. Mac Asguill, L’Aidoise, (25c.) Aonghas Domhnullach Drochaid na h-Aimhne Tuath. Domhnull Mac Leoid, (Clachair) S. Gut. Mairi Mhathanach, Sidni. Alasdair Mathanach, Litir a Loch na h-Aimhne Deas, N S. A MHIC-TALLA Ghradhaich,—Ged a tha mi gabhail a phaipeir bho’n thoisich e air tigh’nn a mach, cha’n eil mi ’faicinn facal ann as a chearna so de’n dùthaich, air an aobhar sin bu mhiann leam iomradh goirid air an àite a thoirt do d’ luchd-leughaidh, agus innseadh dhaibh mar tha’n saoghal a’ dol dhomh fhèin ’s do mo choimhersnaich ceithir-thimchioll orm. Tha Loch na h-Aimhne Deas mu shia mile deug deas air ceanna-bhaile na siorramachd, Antigonish. Tha i mu thri mile air fad, agus timchioll oirre tha ’m fearann air àiteach le tuathanaich chothromach, a tha ’cumail moran de chrodh bainne, agus a reic a bhainne. Tha iad ’ga reic ri Mr. Archibald, aig a bheil factoridh cháise ri taobh an locha. Tha mu dhà mhile dollair de dh’ airgiod air a roinn na’m measg air son bainne a mhàin. Tha sinn glé bhuidheach de Mr. Archibald air son tòiseachadh air a’ chàise, oir roimhe so, cha robh againn ri reic ach ìm, agus bha e glé dhoirbh airgiod fhaighinn air a shon; ach a nise tha ’n t-ìm na’s gainne, agus tha sin an deigh a’ phris a thogail. Choisinn an càise againn mor chliù aig Féill an t-Saoghail, an uiridh, agus ma’s math mo chuimhne, choisinn e cheud duais aig féill ann an Jamaica o chionn tri bliadhna. Dhe na daoine dichiollach agus na mnathan grùnndail a thàinig a mach á Albàinn o cheann tri fichead bliadhna, agus a thog fearann mu’n loch so, cha’n eil a làthair dhiubh an diugh ach aon bhean, Iseabail Nic-an Toisich, agus tha i a’ brocachadh gu math ris a’ cheud bliadhna. Tha i cho tapaidh, agus cho geurchùiseach mu nithean a bha ’gabhail àite anns an t-seann dùthaich, ’s gu bheil e na thoileachadh a bhi ’comhradh rithe. ’S e Domhnullaich, Cloinn Ghriogar, Cloinn Neachtain, Cloinn-a-Phi, Cloinn Chamaran, Cloinn Néill, agus Ceanadaich, a tha chomhnuidh mu’n loch. Is furasda thuigsinn air an sloinneadh gur Gàidheil iad, agus faodaidh mi ràdh a bhàrr air sin gu bheil iad glé dhìleas do dhùthaich an sinnsir agus measail ais a Ghàilig. Tha eaglais Chléireach, agus Manse aig taobh an locha, a tha cur sealladh dhe ’n àite. B’e ’n t-Urr. Eachunn Mac ’Illeathain bu mhinìsteir ’san sgìreachd car shia bliadhna, agus bha ’n sluagh gle dhuilich gu fac’ e iomchuidh an t-áit àluinn so fhàgail, gu comhnuidh a ghabhail ann an sgìreachd Acadia Mines, àn siorramachd Cholchester, agus bho chionn ghoirid ann am Parrsboro. Tha ’n coithional a nise gun mhinistir suidhichte, agus ’s e ’s docha gu’n bi e mar sin gus am faic a un Freasdal iomchuidh aodhaire a chur g’ ar n-ionnsuidh a labhras agus a shearmonaicheas araon am Beurla ’s an Gàilig. Tha foghlumaichean Gáilig glè ghann ann an Nova Scotia, ach tha dochas againn a chuid sin dhiubh a’s urrainn a labhairt gu’m bi iad ’ga cleachdadh, a chum ’s gun teid aca air coithionalan Gàilig a ghabhail. Mholainn do gach aon dhe’n t-seora sin MAC-TALLA ghabhail, agus theid mi ’n urras ma theannas iad ri leughadh, gu’m fas iad cho measail air ’sa tha mise, agus ni siu an gnothuch. Ma bhios mi beo, slan, dh’ fhaoidte, gu’n cluinn sibh a rithist bho ’n TUATHANACH RUADH. Air son crup—Minard’s Honey Balsam. Air do shearmoin anabarrach dhrùidh teach a bhi air a toirt seachad ann an Eaglais a mach air an dùthaich, thòisich an luchd-éisdeachd uile air gal ach aon duine. Dh’fheòraicheadh dheth-san, dé mar a bha e cho craidh-chridheach? Fhreagair e gur h-ann a bhuineadh esan do sgìreachd eile. [TD 175] [Vol. 3. No. 22. p. 7] Comhairle an t-Seana-Ghiullain. Ma’s fhior na seana-ghiullain ’s e ’n gliocas a tha ’g an cumail o phosadh. Cha’n ’eil iad a’faicinn nighinn oig sam bith gun choire no faillinn air chor-eiginn. Tha e coltach gur gann a bhiodh iad riaraichte le te leis gach buaidh a’s suhaile a dh’ainmich Solamh ’s na Ghnath-fhocail. Bha fear dhiubh a’ toirt comhairle air fear a bha ’sealltainn air son mnatha, e a dh’fheuchainn am faigheadh e te a bhiodh coltaoh ris na tri nithe a leanas, agus gun i bhi coltach riu:— 1. I bhi coltach ri Uaireadair mor stiopaill—riaghailteach ’n a gluasad; ach gun i bhi coltach ris an Uaireadair mhor, le a teanga ’bhi ri ’cluinntinn thar a’bhaile. 2 I bhi coltach ri Mactalla—i’ fhreagairt an uair a rachadh bruidhinn rithe; ach gun i bhi coltach ri Mactalla, anns an fhacal mu dheireadh a bhi aice daonnan. 3 I bhi coltach ris a’ creutair a tha ’s an fhaochaig—gun i bhi ach ainneamh às a tigh-comhnuidh fhein; ach gun i bhi coltach ris a’ chreutair sin, air bheag suim do gach ni ach na bha i’ giulan air a druim. Cha d’rainig cladan sneachd riamh an talamh gun sal a thrusadh o’n àile troimh an thuit e; mar so tha an nadur is gloine air a shalachadh ’na ghluasad anns an t-saoghal. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhòrachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Anns an Acadia House Gheibh thu Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5.00. Brogan seomar, no Cuarain air 25c. Rubbers dhe gach seorsa. Aodaichean Deante air gach pris Curraichdean ur Adan. Feuch gun taghail thu. INGRAHAM & MacGILLEAIN. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN [TD 176] [Vol. 3. No. 22. p. 8] Litir agus Oran a Eilean a Phrionnsa. STRATHALBA, P. E. I., 23, 11, ’94. FHIR MO CHRIDHE,—Tha mi ’faicinn a MHAC-TALLA gu math tric. Tha mo charaid, Donnacha còir Mac-Fhionnlaidh glé chuimhneach orm le bhi ’toirt domh leughadh dheth o àm gu àm. Tha mise leth-cheud bliadhna ’sa tri anns an dùthaich so. Rugadh mi ann an Eilein a’ Cheò, o chionn còrr us ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd. ’S iomadh rud a chual’ agus a chunnaic mi anns an ùine sin a dh’ fhaodainn a sgriobhadh g’ ad ionnsuidh na’m biodh mo làmh cho sgiobalta ri mo theangaidh. Tha mo shlàinte fàbharrach, agus tha mo chuimhne ’s m’ aithne fhathast mar nach olc. Chunnaic mi òran a’ ghunna le Aonghas Seath anns a’ phaipeir mios no dha air ais, agus thug sin ’n am chuimhne oran eile, a rinn am bard ceudna, an uair a chual’ e gun do ghlacadh Bonaparte an deigh blar Uaterloo. Ma bha ’n t-oran so riamh an clò cha’n’eil fios agamsa, agus cha’n’eil moran beo a nìs aig a’ bheil e air am meodhair. So agad e facal air an fhacal mar a dh’ ionnsuich mi e ’n am ghille og anns an Eilean Sgiathanach:— ORAN BHONAPARTE. Na ’m fhear focaìl bhiodh giar mi, Gun lochd bith nam bhriathran, Gun innsinn nam fhiach leibh An sgiala so th’ ann; Mas a h-eachdraidh tha fiori ’Thug a pacaid an iar dhuinn, Tha na naimhdean a phian sinn Air an cìsneachadh teann. ’S ann ’sa mhìle ’s ochd ciad Agus còig bliadhna diag, ’Thainig naidheachd na sìthe Bho chriochaibh na Fraing.’ Bha sinn fada ’g a h-iarraidh, ’S tha Breatunn làn riaraicht’, Tha no Frangaich air stiochdadh Le diobhail ar lann. Rinn lámhach fir Lunnuinn, Agus càbhlach an luingeis, Bonaparte chur ’an cunnart, Ged a dh’ fhuiling e strì. Neart làidir nan gillean, Anns nach tàrmaicheadh giorag, ’S nach sàraicheadh fionnachd O shileadh nan speur— Rachadh dàna ri teine Anns na blàraibh gu minig— Buaidh làrach gach fine Ag iomain an treud. Rinn spairn bhur cuid phiostal An gàradh a bhriseadh ’S ghabh Spainteich us Turcaich ’Us Prussaich “ratreut.” Gun a dh’ ìslich sinn Boni Ged b’ ard a bha chollair Le ailleachd, le olachd, Le chonas, le shannt, Thainig bearn’ air a dharas Far na dh’ fhailing am balla Chaidh braine gu talamh Leis a charachd a bh’ ann. Cha robh stath na chuid “channon.” Chaidh a pharti an tainead Rinn a dhànadas cearrail Am fearann a chall Chaidh a phalais a ghlachdadh Le h-airneis ’s le h-aitreabh. ’S tha Spain air a creachadh ’S cha robh chasgairt ud fann. Nam biodh treoir na mo neartsa, Nuair bha ’n rogair ud glachdte, Ged nach b’ bheo mi fad seachdain Chuireinn aicid na chom; Gheobhainn corcach a nasgaidh— Bhiodh na ropan an cleachdadh— Chuireinn cord d’i ga thachdadh Gun tacsa ri bhonn. Bhiodh a sheomraichen daingean ’Sa chomh’l air a barradh Gun aon deo thi’inn dheth anall Ged robh theanga na poll. Bhiodh leine dhe ’n darach Cha bhiodh feum air an anart. ’S bhiodh an rébal bho’n talamh ’S leachd thana ri thom. Sgriobhainn ainm air a lichdsan;— Fear mharbhadh na fichead Ceann armailt a brisdeidh Ceann stuice gach roig Ard chealgair nam piostal Air an alachaig bu tric thu Chuir am farbhas na d’ dhrip thu Chuir e sgistadh na d’ eoin. Cha b’e n calman do thiodal ’S cha be chalmachd bu mheas duit. Rinn fir Alba agus Blucher Do chuid isein a leon. Murtair armailt na chriche Robair argaid na Tuirce Bidh t-ainm anns gach litir A theid a phrinteadh air bord. Fhir gun naire gun mhis thu Gun chairdeas gun ghliocas Gun bhaidh ri fear briste Gun iochd ni fear leont’. Ceann-grainnean an t-sluichd thu Tom gabhaidh na buidseachd Bha bathadh na d’ shlugan Air son slugadh an oir. Cha’n’eil geard no tigh-cuspein Eadar Pàris is Lisbon Nach robh mearlach na measg ann Gus an ruigeadh e’n Roimh. Ged a sharaich thu mise Le geard is le piocaid Chaidh aird ort a mise ’S fhear righte thu na beo. Tha gach maidean is caileag Le deur air a malaidh O’n mheáll thu ’n cuid leannan A dh’ aindeoin am bonn. Gach og agus sean-bhean Ri stroiceadh am bannag ’O’n sheol an cuid fearaibh O chala nan long. Gach seang-bhean ’s bean thorrach ’S leat fuileach a mallachd Thug thu ’n coimh-leapaich shone Bho ’m broilleichibh trom. Tha gach mathair is muime Leughadh gaiseaden duilich Sgeula-bais an cuid luran Fuar fionnar bho’n tòm. Fhir a shiubh?as an rathad Gu duthaich ar ’n athar, Th’ air cùl nam beann strathach Far an tathaich na seoid, Thoir le durachd mo naidheachd A dh’ ionnsuidh nan coimhearsnach, Ceannardan thighean Nach biodh coimheach mum lòn. ’S e mo dhurachd gach latha Gu faic mi sibh futhast, Agus dearadh mo bheatha Bhi gu caithibh nar coir. Fhir a leughas an aidheam, Nuair a bhitheas d’ u ga gabhail, Bi toirt cuimhn’ air an t-Sheathach ’S uisge-beatha ga òl. DOMHNULL DOMHNULLACH No, mar is fear a thuigeas mo chairdean Domhnull Mac Phadruig ’ic Alasdair á Uige. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. 1894. [TD 177] [Vol. 3. No. 23. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 8, 1894. No. 23. BOCHDAN AN T-STRATH. Bha cead luchd-àiteachaidh Chanada Uachdrach gu tric air an cur thuige le cion bidh d’ an cuid speidhe. Cha robh na fearainn, ged a bha iad farsuing gu leòr, air an réiteach, agus bhiodh am feur ’s am fodar air tàilleabh sin cho gann air uairibh ’s gu’m biodh an leòr aca ri dheanamh a riarachadh air dòigh ’s gu’n toireadh e na beathaichean o dh’ ionnsuidh na Bealltuinn. Anns gach cearna de’n mhòr-roinn, mu’n d’ thàinig na daoine geala nall thar cuan, cha robh amhuinn no allt air nach robh ’m beaver an dèigh dam a thogail. Bha so a’ sgaoileadh an uisge a mach air gach taobh, agus cha robh craobh air an robh e ruigheachd, nach robh, ri ùine, air a’ grodadh as. An ceann mòran bhliadhnachan, bha ’m beaver a’ fàgail na dama, agus bha ’n t-uisge a lion beagan us beagan a traoghadh air falbh, gus mu dheiredh nach biodh air fhàgail ach an amh’uinn mar a bha i ’n toiseach. Bhiodh larach na dama na h-uile dliadhna air a lionadh le feur fiadhaich a bha na dheagh bhiadh do chrodh ’n uair bhiodh am feur eile gann. Bhiodh daoine gu tric a’ dol astar fada a dheanamh feòir air na srathan sin; cha robh duin’ ann a bhacadh iad, oir bhuineadh a’ chuid mhor dhiubh do’n Chrùn. Bha (agus tha) strath mhor dhe’n t-seórsa sin ann an Kenyon,* ’an siorramachd Ghlinn-Garraidh: as am biodh an fheadhainn fheumach a tarruinn feòir na h-uile bliadhna. Ach ’n uair bha crodh us eich a fàs na bu liònmhoire anns an duthaich bha na tuathanaich, a b’fhaisge air an t-strath a smaoineachadh gu ’m b’ iad fhéin a b’ fhearr còir air an fheur a bha ’fas oirre, agus uime sin cha robh tlachd sam bith aca ann a bhi faicinn dhaoine eile ’tighinn air astar agus ’ga thoirt air falbh. Bha fear àraidh dhuibh so a bha faisg air laimh ris an abradh iad gu coitchionn, “Domhnull a’ Chogaidh.” Aon latha mu dheireadh mios meadhonach an t-samhraidh, thàinig triùir dhaoine bhar cùl Lochiall (no an ochdamh deug de Lochiall) far an robh Dòmhnull, ag iarraidh an seòladh air an rathad bu ghiorra dh’ ionnsuidh an t-stratha. Bha na bu leòr de speallan, ’s de sgriobain, ’s de gach uidheam eile air an cuireadh iad feum, ac’ air an siubhal, a bharrachd air de bhiadh na chumadh riutha gus am biodh iad ullamh gu dhol dhachaidh. Bha Domhnull o’n taobh a mach cho faoilteach ’s cho càirdeil riutha ’s a dh’ iarradh iad, ach bha e aig a cheart am ’na inntinn féin a’ deilbh innleachd leis an toireadh e air na fearaibh a’ dhol dhachaidh as aonais an cuid feòir, agus air dhoigh ’s nach biodh a mhiann orra tigh’nn rathad na sratha air chabhaig a rithist. Chaidh e fhéin leotha dh’ionnsuidh an t-stratha, agus bha ’n rathad air an tug e iad cho càm, ’s cho lùbach, ’s cho fada ’sa b’ urrainn dha a dheanamh. Thill e an sin léis fhéin air rathad dìreach agus nach robh ach gle ghoirid. Mu bheul na h-oidhche thug e sgriob sios gu oir na coille a dh’ fhaicinn cia mar bha ’dol dhaibh; chunnaic e an campa ’chuir iad suas, agus air dha thoirt fanear gu robh iad fhathast aig an obair taobh thall na stratha, chaidh e gu sàmhach, socair, agus dhirich e craobh mhor ghiuthais a bha faisg air laimh, agus dh’ fhalaich e e fhéin am measg nan geug. Cha b’ fhada gus an d’ thàinig na fir o’n obair; dheasaich iad suipeir, rinn iad leapannan matha socair de bhàrr a ghiuthais, agus chaidh iad a’ laidhe. Am feadh ’sa bha iad a feitheamh gus an tigeadh an cadal orra, bha iad a’ seanachas mu obair an latha, agus mu nithean eile a bhuineadh dhaibh uile. Ach thàinig clos grad orra ’n uair a chual’ iad guth mor a tighinn orra as na speuran ag radh,—“A Mhilis Mhòiir! a Mhils Bhig! agus Alasdair ’Ic Iain Bhain! An robh sibh air a’ Bheaver riamh roimhe? Tha fear agaibh gu bhi agamsa air mo shuipeir an nochd.” Chrith na daoine le oillt ’s le eagal ’n uair a chual iad an guth, a tighinn mar a shaoil iad, as na speuran, agus cha d’ thàinig snuain eile ’nan cinn ach gu’m bu spioiad no bochdan a bh’ann. Dh’ fhàg iad gach speal, us sgrioban, us poit, us coire, an sid, ’s thog iad rithe gu tigh Dhonhnuill, a h-uile fear feuch có bhiodh air toiseach. ’N uair fhuair Domhnull gu robh iad pios math air adhart air an rathad cham air ’n do sheol e fhéin iad, theirinn e nuas as a chraoibh, agus cho luath ’sa dheanadh a chasan dha, chaidh e dhachaidh air an rathad ghoirid, agus bha e aig an tigh ’s na leabaidh treis mhath mu’n d’ràinig na fir a bha teicheadh roimh ’n bhòchdan. ’N uair a ràinig iad ’sa bhuail iad aig an dorus, bha Dòmhnull na’m b’ fhior dha fhèin gu math doribh a dhùsgadh, ach mu dheireadh thall dh’ éirich ’s leig e stigh iad. Bha ’n sgeul iongatach a dh’ innis iad glé dhoirbh leis a chreidsinn; agus chomhairlich e dhaibh a dhol air ais dh’ an Bheaver ’sa mhaduinn, ’s crioch o chur air an obair. Ach bha na Lochiallaich dhe’n bharail nach b’àite-fuirich a b’ fhiach Kenyon an deigh na chual’ iad ann air an oìdhch’ ud; thog iad rithe dhachaidh, ’s cha d’thug iad an ath ionnsuidh air tilleadh. Chruinnich Domhnull a Chogaidh am feur a ghearr iad, ’s chuir a chuid cruidh pàirt dhe’n gheamhradh seachad air. Cha chuala mi gu’n do ghabh e aithreachas riamh air son a chleas so a rinn e air muinntir Lochiall. D. B. *Lot 20, 7th concession. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith. [TD 178] [Vol. 3. No. 23. p. 2] DARA LITIR FHIONNLAIDH PHIOBAIRE G’ A MHNAOI. A MHAIRI, ’EUDAIL NAM BAN. GHEALL mi sgrìobhadh ’ad ionnsuidh, agus da rìreadh is faochadh do’ m’ chridhe conaltradh beag a bhi agam riut. Cha-n ’eil thu fhéin no na pàisdean tiota as mo chuimhne. ’Am chadal no ’m fhaireachadh tha sibh fa chomhair mo shùl agus ann am beachd m’inntinn, Is taitneach leam uaigneas gu bhi smaointeach’ oirbh. Is minic a ghoideas mi ’mach ’s an anmoch, gu bruach an uillt, a tha dlùth do’n àite ’s am bheil mi chum conaltradh dìomhair a chumail ribh; saoilidh mi gur e torman an uillt againn fhéin a th’ ann, agus ceileireadh nan eun buchallach a dh’ fhàg mi as mo dhéigh. Fhuair mi o cheann oidhche, no dhà, báta beag seileisteir a’ snàmh ’s an linne, ’s ge faoin r’a ràdh, shil mo dheòir, oir thug i mo lurachan gaolach, Lachann beag, a’m chuimhne. A Mhàiri, a ghràidh, ma dheònaicheas am Freasdal dhomh-sa dol dachaidh, cha bhi e soirbh mo chur a rithist o’n tigh. Tha mi taingeil nach d’tháinig moran riamh eadaruinn, oir is gann gu’m bheil focal crosda no ath-ghoirid a labhair mi riut nach ’eil a tighinn gu’m chuimhne; ’s cha-n ’eil e ’am chomas am fuadach; ach thoir thusa ’eudail maitheanas domh. Bha mi seachduin ann an Glascho mu’n d’ fhuair mi cosnadh. Chunnaic mi Rìgh Uilleam ’s an t-each odhar—an Eaglais Mhòr, an Tigh-eiridinn, ’s am Prìosan. Chunnaic mi iad a’ snìomh an tombaca ’s a’ chotain—a’ deanamh nan gloineachan; chunnaic mi beairtean a’ figheadh leo fhéin, ’s a’ falbh cho ciallach ’s ged a bhiodh Iain figheadair e fhéin aig ceann gach snàthainn. Stad thus’, a Mhàiri, ’s mur toir mise dhuit-sa naidheachd, ma tha e’n dàn domh dol dachaidh. Bha mi ann an tighean móran d’ar luchd-dùthcha, agus b’ iad sin, ’am bitheant as, na frògan dorcha as nach facas riamh gnùis na gréine, cha b’ ionann ’s mo bhothan bòidheach. A Mhàiri a rùin, biomaid taingeil; cha b’ e’n fhaoineis a chuireadh do ’n bhaile mhòr mi; ged nach bi againn ach a’ chearc bhadanach, maorach a’ chladaich, fàile glan nam beann, agus sàmhchair bheannaichte, seach mar tha iad ann an so, air an tachdadh le toit, ’s air am bòdhradh le gleadhraich Cha d’fhuair mi fhéin cadal socrach, sàmhach o’n oidhch’ a dhealaich mi riut. Shaoil leam gu-m biodh fois ann air là an Tighearna, ach mu-n gann a dh’éirich mi thòisich na cluig, ’s ma thòisich! ’s ann an sin a bha’m farum—fonn air leth aig gach aon diubh—agus a h-uile h-aon a’ strì cò a b’ àirde pong. A mach bhrùchd an sluagh, as a h-uile cùil agus caol-shràid, a’ taosgadh a mach ’n am mìltean sruth agus saobh-shruth, a sìos agus air an adhart, saighdearan le’n drumaichean tartarach, agus na cluig a’ cur nan smùid diubh, An e so, deir mise, là na Sàbaid? O! nach robh mise aon uair eile ann an Uladal fo sgàile ’bharraich ri taobh an uillt shàmhaich, an t athar àrd os mo cheann, na beanntan mòra mu’m choinneamh—mo dhaoine, mo chàidean, ’s mo leanaban ri m’ thaobh, sìth agus sàmhchair na Sàbaid a mach air an t-saoghal; fear teagaisg mo ghràidh fo sgàile na creige; anam gach aoin ann am fonn an Dòmhnaich, agus an co-thional caomh, càirdeil a’ togail le Somhairle rùnach am fhuinn thiamhaidh, a sheinn iad gu tric leis na daoin’ on’ d’thàinig iad! ’S mòr an cothrom a th’aig na Gaidheil anns a’ Bhaile mhòr so, thigeadh iad o’n ear no o’n iar gheibh iad Gàelic an dùthcha fhèin ann an eaglaisibh a’ bhaile. An saoil thu ’Mhàiri nach do theab Pàra mòr agus mis’ a bhi ’s a ’phriosan an oidhche roimhe. Bha sinn a’ dol dhachaidh gu sàmhach, ciallach, gun fhocal as ar ceann: mise ’giùlan bocsa na pìoba fo’m bhreacan, ’n uair a thainig triùir no cheathar mu’n cuairt duinn, agus mu’n abradh tu seachd, spìonar uam bocsa na pìoba, agus glacar mi fhèin air sgòrnan. Mar a bha’n tubaist air Pàra mòr, dh’ éirich e air càch le ’bhata daraich, agus rinn e pronnadh nam meanbh-chuileag orra. Bha clachbhalg aig fear dhiubh ’s cha luaithe ’thug e srann aisde, na thàinig sgaoth dhiubh mu’n cuairt duinn, agus giùlainear air falbh sinn do dh’ àite ris an abrar am Police Office Ait’ an uamhais! Tha oillt orm fhathast smaointeach’ air. Daoine ’n an sìneadh air dall na daoraich thall agus a bhos, a’ call fola, ’us mallachadh ’n am beul; mnathan (b’e sin an sealladh gràineil), air an dallanaich, cuid diubh ’caoineadh ’s a’ rànrich; ’us cuid eile ’gabhail òran, agus Ni-maith d’ ar teasraiginn, duine marbh ’n a shìneadh air an ùrlar. Dh’ fheòraich mi fhéin cho modhail ’s a b’urrainn domh, c’ar son a thugadh ’an so sinn? Chì thu sin a thiota, deir fear dhiubh ’s e ’cur a làimhe ann am bocsa na pìoba: thug a’ phìob ràn brónach aisde, agus chlisg e mar gu’m biodh nathair innte. Faodaidh tus’ ’ille mhaith a ràdh, arsa Pàra mòr, mar ’thuirt an sionnach a bha ’g itheadh na pìoba, Is biadh ’us ceòl so dhomh-sa. Ciod a tha agad air, ’s ann a shaoil iad gur corp leinibh a bh’againn, ach ’n uair a thuig iad mar a bha ’chùis leig iad as sinn. Fhuair mi cosnadh, ’s a’ cheud dol a mach, o thuathanach sé mìle a mach a Glascho. Thug e sinne agus sgaoth Eirionnach, agus dòrlach bhan leis. ’N uair a thàinig an oidhche chuireadh air fad sinn a luidhe do’n t-sabhal. Is fad’ o’ n a chuala mi mu leabaidh mhòir na h-airidh, agus d’a rireadh b’i so i; na mnathan air an dara taobh, agus na-m biodh meas ceart aig na mnathan orra fhéin, ghabhadh iad fasgadh an tuim a roghainn air a’ leithid a dh’ àite; ach is iomadh aon a tha modhail nàrach na’s leòir, do réir coltais, ’n an dùthaich fhéin, (cò ach iad, le’m boineidean connlaich, le’n gnùis-bhrat uaine a cleth an aodainn,) a tha gle shuarach m’ an gnàthachadh ’n uair a thig iad gu Galldachd? Ged a bhiodh fichead nighean agam, (cha-n e idir, a Mhàiri, gu-m bu mhiann leam an uiread sinn a bhi ann) cha leiginn am feasd gu foghar’ iad air an dòigh so. Gheibhinn dhoibh, ni ’tha soirbh r’a fhaotainn, cosnadh maith seasmhach ann an teaghlaichean measail; ach an cur a mach ’am measg Eirionnach agus hhéistean, o bhaile gu baile, nar leig am Freasdal gu’m faicinn-se aon a bu mhaith leam gu maith air an dòigh so. Dh’ fhàg mi tigh an duine ud, agus fhuair mi fhéin agus Pàra mòr cosnadh a mhaireas gu Samhuinn, ma chaomhnar sinn, ann an tigh an duine bheannaichte, mu’n cuala tu Anna mhòr nighean Eòghain ’Ic Ailein cho tric a’ labhairt—fear Mr. Ponton. Tha deadh thuarasdal againn, agus cha bhi e cruaidh orm am màl a chur r’ a chéile. An saoil thu, ’Mhàiri, nach faca mise bùth ann an Glascho, far nach robh sìon saoghalta ach boineidean connlaich, agus bha mi ’feòraich luach an aodaich sgàrlaid a bbios anns na cleòcaichean; cha-n abair mi ’bheag, ach cum thusa, ’eudail, sùil ait na pàisdean, agus cha’n ’eil fhios ciod a’ dh’ fhaodas tachaìrt, Tha tuiltean [TD 179] [Vol. 3. No. 23. p. 3] coimheach againn ’s an àite so; bi furachail air Lachann. Slàn leat, a ghraidh, na bi fo iomaguin do m’ thaobh: tha mi gun dìth gun deireas. ’S e’m Freasdal a chuir do’n teaghlach so mi, far am bheil iomadh deagh chleachdadh r’a fhaicinn. Leig fios do’n Mhinisteir ’s do Fhear-a’-bhaile mar a dh’éirich dhomh. Cha’n abair mi tuilleadh air an àm, ach gur mi, D’ fhear-pòsda dìleas, FIONNLADH MAC-AONGHAS. Naidheachdan a New Zealand. Chaochail o chionn beagan mhiosan, ‘Tawhio’ righ nam Maorach, no nàisinnich na dùthcha so. Bha e gu math sean. Bha e ’na thràill do’n mhisg, agus rinn sin a bheatha ’ghiorrachadh. Tha iomadh seòrsa righ air an t-saoghal’ agus tha mi creidsinn gu robh am fear so cho iosal staid ri gin dhiubh. Bha e ann an Lunnuinn o chionn deich bliadhna, an dùil gu faiceadh e a’ Bhànri’nn, agus ghabh e fearg mhòr an uair a dhiùlt i éisdeachd a thoirt dha. Cha robh a bhéist ann an suidheachadh anns am biodh e iomchuidh a thoirt an láthair ua bànri’nn, no cuideachd uasal sam bith. Bha iongatach ri fhaicinn an t-urram a bha luchd riaghlaidh na dùthcha a’ cur air, gun aobhar sam bith ach gu robh e ’dol fo’n ainm Righ. Cha robh ploc fearainn aige air ainm, ach a’ gabhail còmhnuidh far am faigheadh e cead, agus a’ faighinn déirce bho chuideachd féin. Bha cuirm mhòr air a cumail suas fad da sheachdain an deigh a bhàis, itheadh, òl, agus amhuiltean eile do réir giosagan nam Maorach. Bha feadhainn am beachd gu’m b’e Tawhio an righ mu dheireadh a bhiodh aca, ach tha iad an dùil righ eile ’chrùnadh gun dàil. Cha ’n e mac a’s sine ’n fhir a dh’ fhalbh a chuirear anns an dreuchd sin idir, ach duine calma, làidir, de shliochd fear de na daoine thàing anns a’ cheud bhirlinn a thàinig do n dùthaich so an toiseach. Cha ’n eil aca ach barall air an ùine bho thachair so. Thàinig Mr. Niall Caimbeal air ais an deigh cuairt mhòr a chur. Tha muinntir Waipu glé thoilichte fhaicinn air ais le moran naidheachdan air an càirdean ’san luchd-eòlais a dh’fhàg iad as an deigh. Chaidh e troimh Chanada, far an robh càirdean aige, agus an sin troimh Cheap Breatuinn. ’S ann air an Amhuinn a Tuath an St. Ann’s a rugadh e. Cha robh e ach mu shia bliadhna deug a dh’aois ’nuair dh’fhàg e ’n t-àite sin. Bha tùr glé mhath aig air feadhainn aithneachadh. Cha ’n fhac’ e dùthaich troimh ’n do shiubhail e a bheireadh e roghainn air an dùthaich so, agus tha e ro thoillchte bhi air ais a rithist. Tha e ’na mharsanta mòr air Waipu. Bidh luchd-leughaidh phaipearan na dùthcha so an dùil gu bheil moran bochduinn agus ana-cothrom anns an tir, ach cha’n eil sin ceart. Tha barrachd mor de bhochduin ann an Astralia na th’ ann an so, agus tha ’m faradh cho iosal air na soithichean-smùide ’s gu bheil moran dhe’n t-sluagh bhochd a’ tigh’nn tarsuinn agus a’ dol am measg na bochduinn a tha ’n so mar tha. Bi’dh an sluagh so a’ dol bho àite gu àite, feuch dé an t-àite ’s fhearr. Cha’n eil ann am moran dhiubh ach meirlich, agus daoine diomhain, gun fheum. Thoiribh fanear nach eil bochduinn sam bith am measg luchd-àiteachaidh agus tuath na tire so. Tha pailteas aca ri itheadh ’s ri òl, agus na h-uile ni eile tha feumail do mhac an duine. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, 1, 11, ’94. Leighiseadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. “Nach ann aig Domhnull a bha ’n srann ’nuair a chadail e ’san eaglais an diugh,” arsa Callum ri Seumas ’s iad air an rathad dhachaidh. “S ann a bha sin uamhasach,” arsa Seumas. “’S peacach dha fhèin an dòigh a th’aige, ’dol dh’an eaglais ’sa cumail suas a leithid sid de shrann. Cha d’fhuair mi fhin norradh cadail leis fad an t-searmoin.” Tha ’san ainn gu bheil Diùc Earra-Ghàidheal gu posadh an ùine ghoirid. Tha e ’n drasda ’na bhantraieh an darna h-uair; tha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois Minard’s Honey Balsam, aon uair ’s na h-uile h-uair. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH, Ceannaiche, SIDNI—C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR. [TD 180] [Vol. 3. No. 23. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 8, 1894. Tha Sìna an dràsda dol a thogail armailt ùr chogaidh, anns am bi ceud mile duine, agus bi’dh na oifigich uile nan daoine geala mhuinntir na Roinn-Eòrpa. Nam biodh i air sin a dheanamh o chionn bliadhna, theagamh nach biodh i aig Iapan an diugh fo ’spòig mar a tha i. Thachair ni cianail ann an Glace Bay feasgar Di-ciaduin. Bha dithis dhaoine bha ’g obair anns an obair uisge air an cur a dh’aiteamh dynamite, agus mu’n d’ rinn iad ach gann a thoirt dh’ ionnsuidh a bhlàiths, spraidh e, agus bha iad le chéile air an tilgeil air falbh leis an neart a bha roimhe. Bha fear dhiubh, Gillesbuig Gillios, air a mharbhadh, agus am fear eile, Johnson Friseal, air a leònadh cho dona ’s nach eil air ach an droch coltas gu’n tig e uaithe. Bhuineadh an Gilliosach do Hogamah; bu mhac e do Aonghas Gillios, Dathadair, a chaochail beagan roimh ’n àm so ’n uiridh. Bha e mu bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois, agus bha e ’na ghille stuama, deanadach, air an robh fior mheas aig gach aon a bha eòlach air. Tha a bhàs air dhòigh cho cianail ’na bhuille ghoirt d’a mhàthair ’s d’an teaghlach, agus a’ cur duilchinn mhòr air an luchd-eòlais uile. Bha Ailein Mac Fhearghais, mac do Shir Seumas Mac Fhearghais ann an Dun-Eideann, air fhaotinn ciontach de chur teine ris an oil-thigh dh’an robh e dol, agus fhuair e bliadhna dhe’n phriosan. Cha’n eil am ballach ach coig bliadhn’ deug a dh’aois. Litir as an Eilein Sgiathanach. Fhir-deasaich Ionmhuinn—Is fhada bho’n sgriobh mi g’ad ionnsuidh mu dheireadh, ach ’se bu choireach nach robh naidheachd agam a b’ fhiach an t-saothair. Dh’fhàg mi Sasuinn agus thainig mi air chuairt do’n Eilein so o chionn dha no tri sheachduinnean. Cha’n eil mi ’faicinn a bheag sam bith de dh’atharrachadh air bho’h bha mi ann roimhe. Tha pier ùr aca ’san Ath-Leathann, agus tha rathaidean mòra aca gu Lon-fhearna, Maligthir, agus Mairishiadar an Tròtairnis. Cha’n eil guth ri chluiuntinn mu Chomunn Ath-Leasachaidh an Fhearainn, no rud sam bith eile ’n dràsd, ach an t-strith a tha dol air adhart ’san Eaglais Shaoir mu’n “Declaratory Act,” mar a theirear ’sa Bheurla. Tha’n t-sìde gu math blàth air son an àm so dhe’n bliadhna: chan fhacas sneachda fhathast eadhon air mullach nam beanntan a’s àirde. Bha an samhradh cho frasach ’s gu’n do chum e ’m foghradh air deireadh, ach bha’m baile so gn math fada air dhelreadh riamh le bhi cho fosgailte do’n mhuir ’s do’n àirde tuath. Bha mi shuas ’an Lodh Cuithir air Di-màirt s’a chaidh, agus bha iad ag obair air a’ chailc ann an sin mar b’ àbheist. Tha iasgairean nan giomach a deanamh gu math an dràsda ’sa rithist, ach bha ’n t-sìde cho fiadhaich o chionn ghoirid ’s nach do shoirbhich leotha cho math. Bha sinn a’ cumail Oiche Shamhna ’sa bhaile so an raoir—a réir a chùnntas ùir, ged a b’ àbhaist dhaibh a bhi ’ga cumail a rèir an t-seana chùnntais. Bha stapag-uachdaiu againn an am fear de na taighean, agus bha sinn uile feuchainn co gheibheadh an companach beairteach. Bha againn cuideacde tri truinnsearan, fear le uisge salach ann, fear le uisge glan ann, agus am fear eile falamh; rinn sin feala-dhà mhòr dò’n òigridh, a feuchainn cò’m fear air an amaiseadh iad. Faodaidh mi ràdh ’sa cho-dhùnadh gu bheil a’ Ghàilig air a cumail suas an so mar bha i riamh, ged nach eil i fhathast air a teagasg ach ann am àireamh bheag de na sgoilean. Cha robh facal ri chluinntin an raoir am measg luchd Oiche Shamhna ach Gàilig. CREAG-AN-FHITHICH. Bhaltos, Steiseall, 1, 11, ’94. Mar is trice is e am fear a th’ann an daorsa a’s fhearr gu cumail a mach gu bheil e sealbhachadh mòr-shaorsa. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94 D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 181] [Vol. 3. No. 23. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh fear Philip Bourgeois a mharbhadh faisg air Moncton, N. B. air an t-seachdain s’a chaidh le craobh a thuit air. Cha robh e beò ach beagan uairean an deigh na buille. Dh’ fhàg e bean us teaghlach mòr. Tha ’n cuan glé gharbh aig an ám so. Tha stoirmeannan ann gu tric, agus moran shoithichean air am milleadh agus cuid air an call gu h-iomlan. Iadsan a théid dh’ ionnsuidh na mara mu’n àm so ’n bhliadhna, tha aca ri dhol troimh iomadh gàbhadh mu’n till iad. Tha áireamh de na muillein siùcair anns na Stàitean air an dùnadh, no gu bhi air an dunadh suas ’an ùine gle ghoirid. Tha iad a’ deanamh so a chionn nach pàigh e dhaibhsan leis an leis iad an cumail aig obair. Bi’dh corr us leth-cheud mile duine mar sin air an cur ’nan támh. Toiseach na seachdain so bha C. H. Musgrave anns a’ bhaile so air a chur ’san lagh air son aìrgiod a ghabhail o Antoni Giovannetti air chumhnant nach cuireadh e dragh sam bith air air son a bhi creic stuth làidir. Chaidh an càs fheuchainn Di-ciaduinn air beulaobh da fhear-ceirtais, agus fhuair e tri miosan priosain. Tha’n t-Urr. Mr. Mac Leòid, ministeir Loch Lomond air tilleadh bhar na cuairt a thug e do na Stáitean, agus chòrd a thurus ris gu math. Nochd muinntir Cheap Breatuinn ann am Boston mòr chaoimhneas dha. Thug iad dha an àm dha bhi ’g am fàgail sporan anns an robh ceud ’s tri fichead dollair ’sa tri deug ($173) de dh’ airgiod. ’Sa mhadainn Di-màirt bha àireamh de dhaoine aig an obair-uisge ann an Ottawa air an goirteachadh le “dynamite” a spraidh gu’n fhios daìbh. Bha ceathrar air am marbhadh, agus fichead air an droch leònadh. Chaidh an tigh anns an robh e air a ghleidheadh na theine agus chaidh fear de na daoine ’ga chur as. ’Se sin a dh’aobharraich an spraidheadh. Tha duin’ òg a mhuinntir Phictou, Domhnulloch, ann an Sidni Tuath tinn leis an amhaich ghoirt. Bha e còmhla ri ’athair ag obair air togail muille ann an Ingonish, agus dh’ fhàs e tinn air an “Arcadia” a’ tighinn thairis. Tha ’n tinneas ceudna anns a’ bhaile so a rithist. Chaochail gille beag le Mr. Brison oidhche Di-màirt, agus tha chuid eile dhe’n chloinn glé thinn. Tha àiteachan ann an Canada ’s anns na Stàitean a tha glé fhad air chul an t-saoghail. Thàinig litir g’ ar n-ionnsuidh o chionn ghoirid o fhear F. Mathanach a York Factory, Hudson Bay, ag iarraidh àireamhan dhe’n MHAC-TALLA chur thuige, agus thug i còrr us da mhios air an rathad! Ann am Point Barrow, an Alaska, tha Mission aig an Eaglais bhléirich, agus thug e ceithir bliadhna dhiubh fiodh tigh-sgoile a tharruing ann à San Francisco. Dh’ fheuch iad ris an àite riugheach le soitheach da uair, ach bha e air a dhùnadh suas le deigh air dòigh ’s nach faigheadh soitheach na chòir. Tha “politics” a’ teannadh ri daoine chur air bhoil a rithist. Tha cuid a’ deanamh dheth gu’m bi againn ri pàrlamaid ùr a thaghadh mu’n tèid an geamhradh seachad, agus tha iad a deanamh ullachaidh air a shon. Tha coinneamh gu bhi aig na “Libearls” anns a bhaile so feasgar Di-luain, agus ann an Sidni Tuath air an oidhche. Tha Mr. Fieldìng, Mr. Davies, agus Mr. D. C. Friseal gu bhi air ceann nan coinneamhan. Iadsan a Phaigh Iain Mac a Mhaighstir, Lagan, Ont. An t-Urr. A. Domhnullach, D. D., Anti’ish. Iain I. Mac Neill, (50c.) A. B, MacLeoid, Plymouth, Mass. Iain D. Mac Gilleain, Avalon, Cala. Aonghas R. Domhnullach, S. W. Margarre, 25c Iain Moireastan, South Gut, (50c) Gilleasbuìg Mac Aoghais, Roseburn. An t-Urr. D. Siosal, B. C. Chapel. Uilleam Domhnullach, Marion Bridge. Flur math air $3.50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros. Tha esan nach toir maitheanas do dhaoin’ eile a’ bristeadh na drochaid air an eiginn da fein dol thairis; oir tha feum aig gach neach air maitheanas. Tha na ceannaichean ann an Lunnuinn a’ gearan gu trom air an t-seòrsa càise thatar a’ cur a null à Canada a h-uile deireadh foghair. Tha’n càise tha ’dol a null fad an t-samhraidh math gu leòr, ach aon uair ’s gun tig deireadh an fhoghair, cha’n eil e idir cho math, Bha coinneamh mhor aca ann an St Peter’s an la roimhe mu dheobhainn an rathad-iaruinn a bhatar a’ gealtuinn a thogail eadar Hawkesbury us Louisburg. ’Se fior chomharradh air gu bheil taghadh luchd-pàrlamaid faisg air laimh a th’ann a bhì bruidhinn air rathaidean-iaruinn. Bha ’n t-Eirionnadh ’sa bhean a’ trod gu salach, agus thuirt ise ris mu dheireadh gu’m b’fhearr leatha gu robh e marbh. “Seadh dìreach,” ars esan, “’s ann air son a bhi ’nad bhantraich a tha thu! Ach theid mise ’n urras dhuit nach bi thu ’n ad bhantraich fhad ’sa bhios mise beò. POSAIDHEAN. Ann am Baile New York, air a 15mh. de Nobhember, phos Coinneach Mac Gilleain, a mhuinntir a Ghlinn-mhòir, Baddeck, C. B., agus Màiri Strachan, a mhuinntir Framboise. Ni a chàraid òg an dachaidh ann an New York. Gu ma fada beó iad. Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir. [TD 182] [Vol. 3. No. 23. p. 6] Oran Seacharan Seilge. (LE DONNACHA BAN MAC-AN-T-SAOIR.) LUINNEAG. Chunna mi ’n damh donn ’s na h-eildean. Direadh a’ bhealaich le chéile; Chunna’ mi’n damh donn ’s na h-eildean. ’S mi tearnadh à Coire-cheathaich, ’S mòr mo mhighern ’s mi gun aighear, Siubhal frìthe ré an latha, Thilg mi ’na spraidhe nach d’rinn feum dhomh. Chunna’ mi ’n damh donn, &c. Ged’ tha bacadh air na h-armaibh, Ghleidh mi’n Spainteach thun na sealga, Ge do rinn i orm do chearbaich, Nach do mharbh i mac na h-éilde. ’Nuair a dh’éirich mi sa’ mhadainn, Chuir mi innte fudar Ghlascho, Peileir teann is tri puist Shas’nach, Cuifean asgairt air a dhèigh sin. Bha ’n spor ùr an déis a breacadh, Chuir mi ùille ris an acuinn Eagal driùchd bha mutan craicinn, Cumail fasgaidh air mo chéile. Laidh an eilid air an fhuaran, Chaidh mi farasta mu’n cuairt d’i, Leig mi ’n deannal ud m’a tuairmse, Leam is cruaidh gu’n d’rinn i éiridh. Rainig mise taobh ua bruaiche, ’S chosg mi rithe mo chuid luaidhe; ’S ’nuair a shaoil mi i bhi buailte, Sin an uair a b’ áird’ a leum i. ’S muladach bhi siubhal frìthe, Ri la gaoith’, a’s uisg’, a’s dìle, ’S òrdugh teann ag’ iarraidh sìthne, ’Cur nan giomhanach ’nan éigin. ’S mithich tearnadh do na gleannaibh O’n tha gruamaich air na beannaibh, ’S ceathach dùinte mu na meallaibh, A’ cur dalladh air ar lèirsinn. Bi’ sinn beò an dòchas ro mhath, Gu ’m bi ’chùis ni’s fhearr an ath la’; Gu’m bi gaoth’ a’s grian, a’s talamh, Mar is math leinn air na sléibhtibh. Bithidh an luaidh ghlas ’na deannamh, Siubhal réith aig conaibh seanga; ’S an damh donn a’ sìleadh fala, ’S àbhachd aig na fearaibh gleusda! Chaidh craobh a leagail ann an Ocosto, Washington, o chionn ghoirid a bha ceithir cheud ’s seachd troidhean a dh’àirde agus tri fichead troidh ’sa deich mu’n cuairt. A mheur a b’isle, bha i tri fichead troidh o’n làr, agus bha i triodh air fhichead mu’n cuairt. Tha atharrachadh mor eadar son as agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rireadh a’creidsinn gu’m bheil e sona; ach is amadan an duine sin a tha’g a mheas fein ni’s glic na gach neach eile mu’n cuairt da. Na Losgannan ag Iarraidh Righ. Ghairm na losgannan—agus iad a’ caitheadh am beatha ann an sìth agus saorsa air feadh nam boglach ’s nan lochan—coinneamh chabhagach, aimhreiteach aon latha, agus chuir iad a suas ath-chuinge a dh’ionnsaidh Iupiter air son gu’n d’thugadh e dhoibh rìgh a dh’amhairceadh as déigh am beusan agus a bheireadh orra a bhi beagan n’a b’onaraiche ’n an cleachdainnibh. Thuit do Iupiter gu’n robh saod meadhonach math air’s an àm; ghàir e gu cridheil air iaartus cho neònach agus thuirt e, ’s e tilgeil cabar fiodha anns an uisge, “So dhuibh, sin agaibh Righ!” Chur an cabar a leithid de luasgan ’s an uisge ’s gu’n do ghabh na losgannan eagal cho mór gu’n robh geilt orra tighinn g’a chòir. Ach an ceann beagan ùine, an uair a chunnaig iad e’n a laidhe gun char, ghabh iad mhisneach dlùthachadh air a lion beag as beag gus m’a dheireadh an do leum iad a suas air, agus a’ faicinn nach robh cùram doibh, ghnathaich iad an cabar le dì-meas mar a thogair iad. Cha robh iad idir toilichte le rìgh cho marbhanta, agus chuir iad air falbh an teachdairean a rithisd a dh’iarraidh air Iupiter fear air chor eigin eile ’thoirt doibh; oir am faar so ’cha d’thug iad urram dà ’s cha mho ’b’urrainn doibh meas a chur air. An uair a chuala Iupiter so, chuir e corra-ghriodhach g’an ionnsaidh, a thóisich gu neo-iochdmhor air am marbhadh ’s air an itheadh aon an déigh aon cho bras ’sa b’urrainn di. Chuir iad an sin an guidhe gu h-uaigneach gu Mercurius a’s fhuair iad gu’n deachaidh e a bhruithinn ri Iupiter as an leth, gu’m bitheadh e cho math a’s rìgh eile ’bhuileachadh orra, air neo an aiseag air an ais a dh’ionnsuidh na staid anns an robh iad o thoiseach. “Ni-h eadh,” ars’ esan, “oir is e an roghain féin a bh’ann; bitheadh na biastan neo-thoilichte a’ fulang a’ pheanais a tha an góraich a’ toilltinn.’ AN COMHCHUR. Tha Phédrus ag innseadh an àm anns an do labhair Esop an cosamhlachd so. An uair a bha co-fhlaitheachd na h-Aithne a’ siorbheachadh fo laghannaibh math agus fallain air an dealbh leotha féin, chuir iad a’ lethid de earbsa ann an seasgaireachd an cor’s gu’n do leig iad le’n saorsa dol gu anameasarachd. Air do iorghuillean briseadh a mach ’n am measg ghabh Pisistratus an cothrom; ghlac e an àitean daighnich, agus rinn e e-fèin ’n a uachdaran orra féin agus air an sochairean. An uair a mhothaìch muinntir na h-Aitneh gu’n robh iad ann an staid thràillidh ged a thachair do Phisistratus a bhi ’n a uachdaran gle iochdmor cha chuireadh iad air chor sam bith a suas leis; uime sin, an uair nach robh dòigh leasachaidh air a’ chùis, rinn Esop leis a’ chosamhlachd so an comhairleachadh gu bhi foighidneach, agus thuirt e riu mu dheireadh, “Mo luchd dùthcha ionmhainn, bithibh toilichte le ’ur crannchur, dona’s mar tha e, gun fhios nach ann a dheanadh atharrachadh gnothaichean na’s miosa.” “Mar a chaireas duine a leabaidh, ’s ann a laidheas e.” Tha iad a nise ’deanamh nach eil ni a’s cinntiche na gum bi Pekin, ceanna-bhaile Shina ann an làmhan nan Iapanach an ceann beagan sheachdainean. Theid aig Japan an uair sin air a cumhachan fèin a dheanamh, agus feumaidh Siua gabhail riutha. Ma thachris sin, cha ’n eil teagamh nach bi an teaghlach rioghail a tha air Sina an dràsda air an cur á dreuchd, agus gun deanar righ ùr. Cha’n ann de nàisinn na duthcha a tha ’u teaghlach rioghail idir. Is Tartarich iad thug an sinnsir an dùthach fo chis o chionn fhada, agus tha iad gus an latha ’n diugh a riaghladh le làmhachas làidir. ’S gann nach eil uiread fuath aig na Sineich chaibh ’s a th’aca do choigrich à dùthchannan eile, agus is leòr sin. Cha’n eil e na ioghnadh ged nach biodh moran spioraid anns na Sinich gu dion dùthcha, oir ged tha dùthaich aca cha leotha féin i; tha cuing a coigrich air an amhaichean, agus tha iad ’ga faireachadh gu goirt. Tha sgeul uamhasach a’ tighinn à Hungary. Bha cuideachd de dhaoine ’s de mhnathan a’ tilleadh bho phòsadh a bha ann am baile beag iomallach a mach air an dùthaich, agus bha aca ri dhol troimh choille mhòir. Cha robh iad air a dhol glé fhad air an turus ’n uair a rug sgaoth de mhaduidh-alluidh orra, agus bha tri duine deug dhe’n chuideachd air an itheadh beo. Iadsan a thàrr as, thug iad am baile b’fhaisge orra, agus thill iad fhèin agus feadhainn eile feuch am b’urrainn daibh gin de chàch a theanacas. Ach ’n’uair a ràinig iad an t-aite, cha robh dad ri fhaicinn ann ach cnàmhan us aodaichean an companaich. Bha na madaidh-alluidh an deigh itheadh, agus an deigh a choille ’thoirt orra. [TD 183] [Vol. 3. No. 23. p. 7] LITIR A FHUAIR SINN.—Tha mi o choinn treis a feuchainn ri thoirt gu’m chuimhne co-dhiu chuir no nach do chulr mi ’n dollar thugad a’s t-samhradh. Gheibh thu dollar anns an litir so. Mur do chuir mi thugad e roimhe, tha làn àm agam sin a dheànamh; agus ma chuir, “cha mhisde sgeul mhath a h-aithris da uair.”—D. Siosal, Sagart Bhroad Cove. Cherokee Vermifuge air son nam biastan. Tha e air aithris gu’n robh dithis bhraithsan agus an dara fear da’m b’ainm Iain no Eóin fo’n ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a lathair a dh’aithnicheadh e ach a brathair fhein; agus bha ’m brathair sin air a mhionnachadh gu’n a innseadh e air, no gu’n comharraicheadh e mach a bhrathair do’n luchd torachd nan tigeadh e ’s an ratìhad. Air dha ’bhrathair fhaicinn a tarsuinn air falbh ann an eathar, sheinn e an rann a leanas, oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gu’n a bhrathair a bhrath: Agus air dhoibhson smuaineachadh gu ’n robh e faicinn fhaoileagan no coin eile de’n t-seorsa, cha d’ chuir iad umhal ’s am bith: “Chi mi e ’s cha cheil mi e, ’S air mhile bonn cha bhrath me e, Chi mi Eoin a snamh air sruth, Sud agaibh e, ’s beiribh air.” Minard’s Family Pills, glan, fallain. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic naatcha do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 184] [Vol. 3. No. 23. p. 8] ORAN GAOIL. Oidhche dhomh ’s mi ’n druim a chlachain Nan clach snaighte, steidheach, Anns an teaghlach mhuirneach, mhaiseach, Bhinneach, fharsuinn, fheumail, Chualas ceol gun doigh air fhaicinn,— Bha mi fad ag eisdeachd— ’S cha chuala riamh cluas mo chlaiginn Fuainn ’bu bhlasd’ bho theudan. Sud na ridhlichean ’bu mhire, Bhoidhche, bhinne ’dh’ eisd mi, Bho na meoir bu chaoile, ghille ’G ioinrirt air na teudan. Mar cheol sith-bhruth no fuaim fidhle ’N oigh a’s finealt eugasg; ’S cumir, boidheach, eutrom, sunndach Air an urlar reidh i. Slat de ’n abhall bho na chul i, Blathor, ur fo ceud bharr; An ribhinn ur a’s ailte gnuis, Nach do chuir duil ’san eucoir. Mo mhacmeanmna chan fhaic cearb oirr’ Ann an dealbh no’n eugasg; ’S tha sar fhoghlum ’sa deagh ghiulan Cosnadh cliu thar cheud dh’ i, Mar an daoimean thu ’measg mhaighdean Ann an loinn ’san ailteachd; Do chul boidheach mar or toinnte, ’S do ghnuis aoibheil, cairdeil. Beul o ’m blasda Beurl’ ga cleachdadh, ’S air nach stadadh Gadhlig, ’Labhradh socrach, ciuin le foisdin, ’S mor do choltas tàbhachd. Blaths is abhachd tha nad chridhe, Suidheachadh is naire. ’S beusach, ceillidh, glan an nighean; ’S dligheach dh’ i ’bhi pairteach. Braghad min a’s geal ri ’fhaicinn; Deud bho ’n dreachmhor gaire. Gnuis na maise, suil an taitnis; Oigh dha ’m pailt deagh chairdean. Tha fior chaoimhneas, gradh, is onair Fuaight’ ad bhroilleach sar gheal; Ort chan fhaicear gruaim no corruich, ’S toilicht’, ciuir a ghnath thu. ’S iomad sruthan mear tha bualadh Ri do ghruaidhean aluinn. ’S tu geug nam buadh a’s fior ghlan snuadh, Gur dluth gach buaidh a fas riut. ’S dluth gach buaidh ’tha ’fas ri cheil’ ort, Stuaim is ceill gun ardan; Aìnnir cheutach ’s glaine beusan; ’S ainneamh te do nadair. Tha do dhreach air dhath nan leugan, Beul nach treig deagh abhaist; ’S tha gach dearrsadh ’th’ anns an fheucaig ’N cul nan reidh chiabh fàinneach. Cas cho eutrom ri gath greine Air na sleibhtean arda; Deud dluths nasta, ’s geal ri fhaicinn Mar ur shneaehd’ an fhasaich. ’S iomad treunfhear anns rn duthaich A tha ’n duil ri d’ thairsinn. Mo ghuidhe dian ri Righ nan dul, Gun cleachd thu chuis mar b’ aill leinn. Gun stiuradh Dia an oigh gun shiamh Air aite miadhail, cairdeil: Air og fialuidh, stocail, ciallach, Mar bu mhiann le d’ chairdean. Tha do nial mar or ga shniomh No mar a ghrian a dearrsadh. M’ iaritas fhein gum faicinn posd’ thu Ri Iarl’ og nan Saileach. Is nam faicinn ’m brat air fhilleadh, ’S do dheagh chinneadh ard leat; ’Ceangal cumhnanta fir ionaid, Ceann do chinnidh b’ fhearr leam. Cha b’ ionghnadh dhomh ’bhi air mo sheol Nam biodh tu posd’ ri Gaidheal. Mar dheagh shlait oig de’n teaghlach chorr Dha ’n robh mo sheors’ a paigheadh. Teaghlach na Cuile ’s na Comaraich ’S dluth ri d’ shloinneadh chairdean; Teaghlach fiughantach na h-Alba ’Fhuair an t-ainm ’s an t-aite. Gach ard uaisle ’s cliu bu dual dhuibh Anns an duan s’ chan’n airmhear. Gach ni ’tha bhuaith’ de’r cliu ri luaidh ’S e chunntadh suas an Clarsair. Do chomhradh cinn ’tha ghnath cho binn Ri coin a seinn san fhasach. Le teang’ a chaoidh chan fhaodar inns’ Cho boidheach, grinn sa tha thu. Tha t’ inntinn chaomh lan daimh is gaoil ’Sa taladh inntinn chaich riut, Bho chul do chinn gu sail do bhuinn Gur h-aluinn leinn a dh’ fhas thu. Oigh a ghrinnis, ’s glan do shealladh:— Corp deas, fallain, sunndach; Anail chubhraidh mar an canal, Ciochan ’s broilleach cuimte; Aghaidh mhin gun roc na sealladh, Aoidheil, aithneil, ionnsaicht’; Beul a labhras cainnt gu tairis, Brioghail, modhail, punncail. Eoisdin, quietness. Leug, a jewel. Roc, preas, a wrinkle. Tairis, kind, tender-hearted. An Clarsair, An Clarsair Dall. Fhuair an t-oran so bho Sheoc Ruadh Siosal an Antigonish. Thubhairt e rium gun d’ ionnsaich e e bho Aonghus Domhnullach, Aonghus an t-Saoir no Bodach nan Snathadan. ’S ann a Lochabar a thanig Aonghus. A. MACG. S. Ma dh’fhalbhas duine air thuras le mòr-chabhaig anns a’ cheud dhol a mach, cha bhi e fada air falbh an uair a dh’fhàsas e glé sgith. Is iomadh fear a dh’fhalbh glè bhragail nach do ràinig riamh a cheann-uidhe. Nach tric a thòisich càraid òg ri cumail taighe ’s iad an dùil gu’u deanadh an tighinn-a-staigh a bh’aca a’ chùis dhaibh, coid sam bith cho stròdhail ’s a rachadh iad air an aghaidh? Mu’n deachaidh iad glè fhada air an aghaidh thuig iad, ma bha tuigse agus tur ahnta, gur anh ’na bheul a tha caomhnadh a’phocain. Nach minic a chunnaic sinn fear a’ dol bhar a chas an àm dha bhith ruith tiomhioll an oisinn? Air a cheart dhòigh is minic a thachair gu’n do thuit duine ’s an àm ’s an d’thainig atharrachadh air a chrannchur. Nach minic a chuala sinn gu’n do thòisich muinntir ris an òl an uair a tháinig trioblaid agus bròn do’n teaghlaichean. ’S e Righ Lochlunn an urra rioghail a’s sine tha’n diugh beò; tha e 76 bliadhna dh’aois. Tha Ban-righ Bhretunn 75, Righ na Suaine 65, Iompair ’Austria 64, Righ Bhelguim 59, Righ Roumania 55, Prionnsa Mhontenegro 53, agus Sultan na Tuirce ’s Righ na h-Eadailte 50 bliadhna. Ma bhios ni sam bith ann a chuireas smal air d’aodach, seachaiun e; agus seachainn nar an ceudna gach ni a bheir mi-chliù air d’ainm. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. [TD 185] [Vol. 3. No. 24. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, DESEMBER 15, 1894. No 24. Tha mo Bhreacan dubh fo’n Dile. SEISD: Tha mo bhreacan dubh fo’n dile; Cha’n fhaod mi ìnnse mar tha e; Tha mo bhreacan dubh fo’n dile. Tha mo bhreacan gu fluich, fuaraidh, Cha ghabh e cur suas am màireach. Tha mo bhreacan air a mhilleadh Aig na Gillean air a mhéarsadh. Bidh mi ’maireach ’dol a shsoladh; Cha’n ann air m’ eolas a tha mi’. Thoir mo shoraidh do Ghleann-Lòchaidh, Far an robh mi òg gu’m àrach. Soraidh eile do Ghleann Urchaidh Nan tuilmeanan boidheach, fásaich Far am faighte gruagach bhòidheach ’G iomain bho gu [?] áiridh Tha na nighneagan ’an gruaim rium, Bho’n a fhuair mi ’n cota-sgàrlaid. Bho’n a fhuair mi ’n ite péucaig, Claidheamh a’s crios-eilidh seardsein. Fhuair mi paidhir bhrogan ùra, Boinneid dhù-ghorm ’us coc àrd innt’. Mile marbh’aisg air luchd ar mi-run; Cha b’ iad Sìom a’ dhol do’n bhlàr iad. Cha b’ ionnan iad ’us Coirneal Friseil, A thoirt misnich do na Gàidheil. COMHRADH EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH. EACHANN.—’Eudail agus a ghaoil? Cha b’ urrainn domh dol seach an dorus gun cheum a thoirt a stigh, a thairgseadh dhuibh mo mhìle taing air son na litir shuairce, cheanalta ’chur sibh do m’ ionnsuidh mu dhéidhinn léir-sgrios nam bailte-mòra (c’ainm so iad a rithist?) Pompeii agus Herculaneum; agus an dòigh anns an d’ fhuaradh a mach iad an déigh dhoibh a bhi air an cleth fad sheachdceud-deug bliadhna fo luaithse na beinne beinne teintich; ach tha mòran ann an Tirithe nach ’eil a’ toirt creideis do’n eachdraidh, a smaointeachadh nach do bhrùchd riamh a mach o mhullach beinne de stuth na b’urrainn bailtean mòr’ a thiodhlacadh mar so as an t-sealladh: àch thachair Maighstir Niall orm an là roimhe, ’s tha e ’g ràdh nach ’eil focal bréige ann. CUAIR.—Cha-n ’eil, ’Eachainn; ’n uair a bhios sinn ri feala-dhà bithidh sinn ri feala-dhà, ach ’n uair a bhios sinn stòlda bithidh sinn stòlda. A nis o’n tha ùin’ agam, ’us thusa déidheil air éisdeachd, leanamaid a’ chùis beagan na’s fhaide. Cha’n’eil anns na dh’innis sinn mu dhéidhinn Beinn Vesuvius ach faoineis ’an coimeas ris na bheil againn r’a ràdh mu chuid de bheanntan loisgeach eile. EACH.—Nach ’eil? Ma ta innsibhse dhomhsa m’a thimchioll, ’s mur toir mise air cuid-eigin nach ainmich mi air an àm, a cheann a chromadh ’s a’ cheud chuideachd anns an suidh sinn cha mhise Eachann. CUAIR.—Tha Beinn Etna deich mìle agus ochd ceud troidh (10,800) air àirde. Faodar a smaointeachadh gur beinn mhòr i so, ’n uair a chuimhnicheas sinn nach ’eil Beinn-Nibheis ach ceithir mìle, trì cheud, agus seachd deug ’us dà fhichead (4,357) troidh air àirde; agus tha Etna naoi fichead mìle mu ’n cuairt d’ a bonn. ’Nis tha a’ bheinn mhòr so gu léir, eadar a bun ’s a bàrr, air a deanamh suas de lava, mar their iad ris anns a’ Bheurla; ’s e sin stuth a thilg a’ bheinn os a ceann de’n stuth a bha aon uair loisgeach, teinteach, agus a thilg i an uachdar anns an staid sin a dh’fhuaraich ’s a chruadhaich m’a timchioll, agus a tha ’sìor fhàs na’s mò mar tha i ’tilgeadh a mach brat ùr thairis air an t-seann rùsg. Am bheil thu ’g am thuigsinn, ’Eachainn? EACH.—’S mi ’tha: a choimeas ni beag ri ni mòr tha e dìreach mar a chunnaic mi tom-famha, a’ fàs agus ag éiridh mar tha ’n creutair dall, spògach a tha gu h-ìosal a’ tilgeadh na h-ùrach an uachdar. Faodar a ràdh gur e ’m famh a thilg an tom an uachdar, agus mar sin thilg an teine ’tha ’m meadhon na talmhainn a’ bheinn mhòr sin uile os a cheann: agus da rìreadh b’ e ’n tein’ e a thog beinn deich mìle troidh air àirde, agus naoi fichead mìle mu’n cuairt. Ubh! ubh! cha-n ’eil r’ Bheinn Mhòr Mhuileach ach mar fhoinne beag air craicionn an t-saoghail ’an coimeas ris a’ bheinn sin; ach gabhaibh air ’ur n-aghart. CUAIR.—A nis, ’Eachainn, ge mòr beinn Etna, agus ge mòr ma tha i tilgeadh ’an uachdar de stuth loisgeach, teinteach, cha-n’eil i mar choimeas ri beinn loisgich eile ’tha ann an eilean Iceland. Bhrùchd a’ bheinn so a mach aon uair sruth loisgeach a ruith sìos air gach taobh dh’i ’n a thuiltean dearga, teintfach, a lìon clais, no gleann mòr, anns an robh abhuinn air an seòladh loingeis, agus ann an tiota, thiormaicheadh an t-uisge, agus lìonadh suas amar na h aibhne agus an gleann, sé ceud troidh air doimhneachd, agus eadar a dhà ’s a trì ’cheudan troidh air leud! Agus cha’n e sin uile, ach ghabh an sruth loisgeach so air adhart gus an d’ ràinig e loch mòr uisge, a lìon e ’suas gu buileach, gus an robh e mar chòmhnard, no mar fhaiche iaruinn. Fad dà bhliadhna bha ’n tuil loisgeach so a’ sruthadh le leathad o mhullach na beinne: thugadh lom-sgrios air leth-cheud baile, agus bhàsaich deich mìle pearsa anns an tull uamhasaich so, a bharrachd air anabarr spréidhe agus feudalach de gach seòrsa. Bha na h-aibhnichean siùbhlach, dearg-loisgeach a bha ’ruith sìos air cliathach na beinne, cuid diubh leth-cheud mìle air fad, agus mu thuaiream dà-mhìle-dheug air leud: ann an doimhneachd bha ’n sruth eagalach so ceud troidh far am bu taine e, agus ’an cuid a dh’ aiteach- [TD 186] [Vol. 3. No. 24. p. 2] an sé ceud troidh air doimhneachd. Ciod do bharail air a’ sin, ’Eachainn? EACH.—Ma ta, le’r cead, cha’n fhaod mi fhèin a’ bheag a ràdh; ach ’s i aona bharaìl a th’ agam gu’n cuir sibh mo cheann-sa ’n a bhreislich mu’n stad sibh. Cha-n’eil Caol-Muile fhéin ach trì no ceithir a mhìltean air leud; ach O! nach b’ eagalach ’fhaicinn air ghoil mar luaidhe leaghta, a’ ruith sìos dearg theinteach o mhullach Beinn-Nibheis. Chaidh a’ chùis os ceann mo bharail-sa abhuinn an uamhais! Ach innsibh so dhomh, am bheil ’tuilleadh de’n t-seòrsa feadh an t-saoghail—’s e sin de bheanntan loisgeach? CUAIR.—Tha cunntas againn air mu thimchioll dà cheud diubh, a tha, no ’bha o cheann linn no dhá, a’ losgadh. Tha dhiubh so trì-deug ’s an Roinn-Eòrpa; ochd ’us trì-fichead ann an Asia; deich ann an eileanaibh Africa; agus cóig fichead ’s a naoi ann an America; bha dhiubh so mu thuaiream dà mhìle ’brùchdadh no ’bristeadh a mach anns gach ceud bliadhna, no fichead anns gach bliadhna. Ann an teismeadhoin Asia, ann an Innsibh na h-Aird-an-ear, tha dùthaich anns am bheil farsuingeachd dà mhìle gu leth de mhìltean (2500), araon air fad agus air leud a bha a h-uile mìr theth aon uair fo chumhachd teine de ’n t-seòrsa so, ged tha ’nis fearann ’us fonn ann air am bheil feur agus luibhean ’us coille, gu pailt a’ fas, cho tarbhach ri aon chéarn de ’n t-saoghal. Tha beinn ann an America mu dheas, ann an tir Mhecsico, a dh’ eirich suas ann am meadhon dùthcha ’bha cho cómhnard, rèidh ri Rif Thirithe, agus a bhòc suas mar gu’m faiceadh tu builgean air uachdar poit chabhruich, gus an d’ fhàs am builgaan so ’n a bheinn, sè-ceud-deug troidh air àirde os ceann ’a chòmhnaid, agus an sin rinn biristeadh mach na lasraichean. Spùt i ’mach stuth loiseach a lom-sgrios an dùthaich a bu tarbhaiche ’tha air aghaidh an t-saoghail. Thachair so anns a’ bliadhna 1759, ’s e sin ceithir-bliadhna-deug ’an déigh bliadhna Théarlaich. Tha fear-turuis cho measail ’s a sgrìobh leabhar riamh, Humboldt, ag innseadh dhuinn gu’n robh esan aig bun na beinne so fichead bliadhna ’n dèigh dh’i éiridh suas, agus gu ’m fac’ e aon tuil a thàinig a nìos mar a chì sinn gaineamh aig bun sgrìodain, a bha ceithir mìl’ air fad, agus sé ceud troidh air doimhneachd. Bha am meall so teth, fichead bliadhna ’n déigh dha ruith a mach; cha robh àit’ anns an cladhaicheadh e toll nach faodadh e maide ’losgadh agus teine ’fhadadh. Bhrùchd a’ bheinn so a mach o cheann fichead bliadhna, aig àm crith-thalmhainn mhòir a tharruing frasan de luaithre air baile mòr a tha dlùth do dhà cheud mìle o’n áite, a bha sè òirlich an ’tiughad air na sràidibh. EACH.—Tha sibh a’ cur iongantais mhóir orm; ach leigibh dhomh ’fheòraich an ann a mhàin air tìr mòr a tha na beannta loisgeach sin; am bheil cunntas gu’n d’ éirich a h-aon diubh riamh suas à meadhon a’ chuain? oir, ged nach ’eile mi idir ’g a’ chreidsinn, tha mi cinnteach gun-n cuala mi iomradh air a’ leithid so. CUAIR.—Tha cunntas eagnaidh, fìrinneach againn air a’ leithid sin; ’s minic a dh’ innis maraichean gu’m fac’ iad an fhairge, mar gu’m b’ ann air ghoil, mar a chithear Coire-Bhreacain ’an toiseach lìonaidh le sruth reothairt, agus gu’n cual iad toirm uamhasach; agus is minic a thàinig frasan de luaithre dhorcha orra air druim a’ chuain mhòir agus gun fhios cia as a bha so a’ tighinn; agus tha iomadh cunntas againn air sgeirean a dh’ éirich suas ann an àiteachan far nach robh a h-aon, bliadhna no dhà roimhe sin; agus mar so cho-aontaich daoine fòghluimte ann an smaointeachadh gu’n do thogadh an fhairge, ’n toiseach suas le teine o’n ìochdar, agus na gur ann mar sin a rinneadh na sgeirean agus na creagan sin: ach a nis cha’n ’eil teagamh air bith ’s a’ chùis. Gun labhairt mu mhóran de dh’ eileanan beaga mu’n cuairt air Iceland, agus air àiteachan eile a dh’ éirich suas anns an dòigh so, tha cunntas mion againn air Eilean a’ Ghreumaich, anns a’ Mhuir-eadar-thìrich (Mediterranean), a dh’ éirich suas as a’chuan mu ochd bliadhna deug o’n àm so, dlùth air ‘Sicily.’ Bha an fhairge ceud aitheamh air doimhneachd ’s an àit’ as an d’ éirich an t-eilean so. Thachair do mharaich’ ainmeil, an ridire Pulteny Malcolm, Breatunnach, a bhi ’seòladh thar an àite so agus mhothaich e mar gu’m buaileadh a long air oitir, agus chriothnaich i o cheann gu ceann. Thuig e gur crith-thalmhainn a bh’ ann. Mìos an dèigh so, bha maraich’ eile ’seòladh seachad air an àite cheudna; chunnaic e steall-uisge ag éiridh ’n a cuartaig mu thrì fichead troidh air àirde, agus ann am meudachd, mu ochd ceud slat mu ’n cuairt, ag éiridh o’n fhairge, agus ’n a dhéigh sin, toit no deathach, cosmhuil ri deathach soitheach-smùide ’n uair a stadas i, a dhìrich ochd-ceud-deug troidh a suas anns na speuraibh. Fhuaradh ’n a dhéigh so eilean ’s an àite, dusan troidh os ceann muir-làin, sloc ’n a mhullach as an robh teine ’g éiridh le toit uamhasaich. Bha ’n cuan, astar mòr mu thimchioll an àite, air ghoil, agus air a chòmhdachadh le luaithre ghil agus le h-iasg marbh. Fad mìos bha ’n t-eilean so a’ tilgeadh os a cheann, ach stad e; agus ’n uair a b’ urrainn daoine dol air tìr air, bha e os ceann ceithir fichead troidh air àirde, agus dlùth do mhìle mu’n cuaìrt. Dh’ fhàs e ’n a dhéigh sin dà cheud troidh air àirde agus trì mìle air chuairt. ’Na dhéigh sin a rithist, bha e air a chaitheadh ’s air itheadh air falbh le luasgadh na fairge gus nach robh e ach leth-mhìle mu’n cuairt, agus còig fichead ’us seachd troidhean air àirde. Bha e ’fàs na bu lugha o bhliadhna gu bliadhna, gus mu dheireadh an d’ éirich crith-fhairge uamhasach, agus fuaim choimheach, agus thuit e gu tur as an t-sealladh; agus tha deich-aitheamh-fhichead uisge ’nis os ceann na beinne ’bha ochd ceud troidh air àirde. Dh’ fhaodainn iomadh cuuntas de ’n t-séorsa cheudna ’thoirt duit, ach fòghnaidh na chuala tu chum a leigeadh ’fhaicinn duit gu’m bheil beanntan teinteach ag éiridh o mheadhon a’ chuain. Tha na ceudan eilean de ’n t-seòrsa air feadh an t-saoghail. EACH.—Ma ta, le’r cead, thug sibh mòran fiosrachaidh dhomh; ach shaoilinn, o ’n a chaidh a labhairt, gu’m bheil teis-meadhoin an t-saoghail ’n a aon teine mòr, a tha mar so, a’ bristeadh a mach o àm gu h-àm anns na simileirean sin bràighe nam beann, a tha ’brùchdadh a mach teine ’s deathaich agus stuth leaghta, mar a dh’innis sibh. CUAIR.—Tha thu ceart: cha’n ’eil teagamh ’s a’ chùis sin. Tha meadhon an t-saoghal ’n a aona ghrìosaich, na’s teotha na thogadh riamh ann am fùirneis le daoine. Tha ’n teas so cho anabarrach ann an cumhachd ’s gu’m bheil e ’bristeadh a suas troimh na leapannan a tha os a cheann, le boile cho eagalach. Cha’n e ’mhàin gu’m bheil stuth goileach, no clachan leaghta ris an canar ’s a Bheurla, lava ag éiridh suas o mheadhon na talmhann ach tha uisge goileach ’an cuid a dh’ àiteachan, a tha ’n a thobraichean cho [TD 187] [Vol. 3. No. 24. p. 3] cumhachdach, agus ag éiridh suas le boile agus neart cho mòr ’s gu’m bheil iad a’ ruigheachd àirde choimheach anns na speuraibh. Bheir mi dhuit cunntas air cuid de na tobraichean iongantach sin. Tha ann an eilean Iceland, no mar theireamaid ’s a’ Ghàelic, eilean na h-eighe, far am bheil a’ bheinn mhòr loisgeach air an robh mi ’labhairt, ceud tobar de ’n t-seòrsa so ann an astar aona mhìle. Cluinnnear fuaim nan tobraichean uisge ghoilich so gu h-ìosal fo’n talamh, mar fhuaim tàirneanaich;—bristidh iad sin a mach le boile cho coimheach ’s gur duilich seasamh mar astar mòr dhoibh leis an stairirich. Tha aon tobar de ’n t-seòrsa so ’s an eilean sin a tha farsuingeachd a bheòil trì fichead troidh thairis. Faodar air uairibh amharc sìos do ’n tobar so, agus chithear coltas coire mhòir lán uisge, agus e air ghoil le boile eagalach. Cho luath ’s a chluinnear an tàirneanach gu h-ìosal ’an ìochdar an tobair, ’s mithich teicheadh. Ged robh càbhlach Shasuinn a’ losgadh an gunnacha mòra air an aon àm, cha bhiodh ach faoineis ann an coimeas ris an stairich a ni ’n tobar so ’n uair a thòisicheas e air cur thairis, agus an sin éiridh an t-uisge suas ’n a aon steall, sé fichead troidh, cho dìreach ri saighead anns na speuraibh, agus ’n uair a sguireas an t-uisge ’dh’ éiridh, tòisichidh an sin an deathach gheal, mar mhìle soitheach-smùid’ air feasgar ciùin, a’ leigeil as na toite. Ma thilgear clachan a sìos ’s an tobar ’n uair tha e ’n a thàmh, grad thòisichidh an stairirich agus an tàirneanach; goilidh e suas, agus tilgidh cumhachd an uisge na clachan ceudan troidh dìreach os a cheann anns na speuraibh: ach cha mhair an steall os ceann seachd, no deich mionaidean air an aon àm. EACH.—Mo mhìle taing! O ’s beag fhios a th’ againn air dìomhaireachd oibre an Fhreasdail! Cha’n fhéarr sinn na leanaban. Ach an urrainn duibh innseadh dhomh cia mar tha ’n t-uisge sin gu h-ìosal air a chur gu goil? agus ciod a tha ’toirt air éiridh suas ’n a aon steall mar tha sibh ag ràdh? CUAIR.—Ma ta, ’Eachainn, ’s usa gu mòr a thuigsinn na chur ’an cainnt. Tha thu eólach air pìob-thombaca. EACH.—’S mi ’tha: tha mo phluic cho eélach airre ’s a tha ’phoit air an ladar. CUAIR.—Gabh thusa, ma ta, pìob thombaca, a h-aon de ’n fheadhainn a’s fhaide ’s urrainn dhuit fhaotainn; cuir lorg na pìoba ’s’a’ ghealbhan gus am bi i dearg theth; lìon an sin cuach na pìoba le h-uisge, agus feuch leigeadh leis an uisge dol a mach gu h-athaiseach troi’n fheadan, sìos troi’ luirg na pioba, agus chì thu gu’n téid e mach direach mar a mhinich mi na tobraichean goileach, steall an dèigh still, le toirm. Air tùs cha tig a’ bheag a mach ach deathach gheal, an sin spùt de dh’uisge goileach; an sin, mar tha cuach na pìoba ’fas fionnar, thig an t-uisge ’mach air a shocair. Mar sin tha ’n t-uisgé ’tha gu h-ìosal ’an com na talmhainn a’ ruigheachd nam feadan loisgeach sin, agus tha e ’tighinn a mach, steall ’an déigh still, mar a chì thu ’thachras ’s a’ phìob thombaca, ma dh’ fheuchas tu i. EACH.—An t-urram dhuib! ’s mi dh’ fheuchas. Ach innsibh so dhomh: tha e ’n a chulaidh-iongantais leam ’n uair tha na beannta mòra sin a’ sgeith a mach am mionaich o linn gu linn, nach ’eil iad a’ tuiteam sìos, mar a ni aodroman, ’n uair a bheirear a’ chuid a’s mò de ’n stuth a tha ’s a’ bholg as. CUAIR.—Tha thu ceart; tha sin a’ tachairt, agus thachair e bho cheann ghoirid do dh’aon de na beanntan a’s ainmeile air an t-saoghal, Beinn Ararat air an do stad àire Noah: thuit i ’stigh, agus dh ìslich a’ bheinn iomadh ceud troidh; chailleadh anabarr sluaigh a ’bha ’chòmhnuidh dlùth dh’i, agus thugadh sgrios cianail air luchd-àiteachaidh nan gleann m’ a timchioll; ach ’s éigin duinn stad an diugh; ma chaomhnar sinn bithidh seanachas againn ’na dheigh so mu thrincholl nan crithean-talmhainn air am bheil sinn a’ faotainn cunntais agus a tha ’nis a’ teachd dlùth dhuinn, oir thachair a h-aon diubh o cheann ùine ghoirid anu an sgìreachd Chomrie ann an siorramschd Pheairt. EACH.—Soirbheachadh leis a’ Chuairtear an latha chì ’s nach fhaic! Cia taingeil bu chòir dhuian a bhi nach ’eil ’s nach robh riamh beanntan loisgeach ’s an eilein shona so, Breatunn mòr, no idir ann an Albainn, ged nach bu mhisde-mid tobar beag, goileach an sud ’s an so ann an Tirithe, gu nigheadaireachd ’s gach goireas eile. CUAIR.—Cha’n ’eil ùin’ agam an diugh, no dh’fhaodainn a leigeadh ris gu’n robh beanntan teinteach, agus moran diubh, anns na dùthchannan so, agus eileanan a dh’ éirich as an fhairge, agus a chuir stuth loisgeach ’an uachdar, mar tha Ealasaid-a’-Chuain, no eilean seunta Staffa, agus cuid de dh’eileanan Threisinnis. EACH.—Staffa! ’n e m’ eilean àillidh fhéin? An saoil sibh an robh Staffa uair air bith ri theine? CUAIR.—Cha labhair mi diog uime sin an diugh, ged tha moran agam r’a ràdh mu dhèidhinn. Slàn leat, ’Eachainn. EACH.—Gabhaibh mo leth-sgeul—aon fhocal: an saoil sibhse ’m bi cogadh ann eahar Breatunn agus an Fhraing? Bha forghair mhor air gamhnaibh firionn ’s air daimh air feadh na Gàidhealtachd: cha deanadh rongan beag cogaidh dad coire do’n Ghàidhealtachd. CUAIR.—Cha’n ’eil dùil agam gu’m bi air an àm so cogadh air bith eadar sinne ’s an Fhraing; tha righ na Frainge air son sìth, agus chuir e air falbh a luchd-comhairle ’bha ’g a bhrosnachadh gu cogadh. Rinn na Frangaich moran boilich agus maoidheidh: ach cha’n ’eil dùil agam gu’m beeil fìor thogradh gu cath orra air an àm. ’S e mo dhochas nach ’eil. EACH.—Ma ta ’s i sin mo bharail fhèin ma dhéidhinn nam Frangach, anabarr spag’a’da’gliog ’us boilich: gu cead duibhse ma ’s e ’n coileach Frangach a tha aig tigh an eilein, co ach esan? Ma dh’amhairceas cearc no tunnag air coileach no dràchd, grad lasaidh e le feirg, èiridh gach it’ air a dhruim, sgaoilidh e ’mach ’earball mor, leathann, togaidh e a spogan fada caola, fàsaidh a sprogan cho dearg ri sgàrlaid, cluinnear a ghlugail leth-mhìl’ air astar; co ach esan? a’ spaisdeireachd cho mor-chuiseach, le ’earball ri gréin, chó stràiceil ’s ged bu leis fhéin am baile. Ach coma co dhiubh, cha luaithe shìneas an dràchd fhèin a cheann ris na ghrad theicheas e, an dara cas a’ ruith, thairis air a’ chois eile, ’earball paisgte, gun ghugail as a bheul, a chìrean glas-neulach le h-eagal, gus am faigh an trusdar fasgadh na cruaiche moine ’measg nan cearc. Tha dùil agam gur ann mar so a tha na Frangaich uile. CUAIR.—Tog a d’amaideachd, ’Eachainn. Slàn leat.—Caraid nan Gaidheal. Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. Flur math air $3.50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros. [TD 188] [Vol. 3. No. 24. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 15, 1894. deanadh iad aon ni, ’se sin, pàigheadh aig toiseach a h uile bliadhna, no gle fhaisg air a toiseach, cha’n e mhàin nach cluinneadh iad sinn a’ gearan no a’ talach, ach bhiodh am MAC TALLA gu math na’s modha ’n diugh na tha e. Cha’n urrainn dhuinn a chur am meud am feasda mur dean iadsan a tha ’ga ghabhail na’s fhearr na tha iad a deanamh. Cha’n ann againne tha choire nach robh e air a mheudachadh o chionn fhada, ach aca-san. Tha áireamh mhath a tha ’deanamh cho math ’sa dh’ iarramaid; cha luaithe bhios aon bhliadhna seachad na bhios an dolair a stigh air son bliadhn’ eile. Tha sinn glé bhuidheach dhiubh’ agus Tha toil againn aig an àm so beagan fiosrachaidh a thoirt do ar luchd-leughaidh a thaobh a phaipeir. Tha fhios againn nach eil duine tha ’ga gabhail nach bu mhiann leis am paipear fhaicinn a’ dol air adhart gu math, agus mar sin bu choir fhios a bhi aca cia mar tha cùisean a’ dol leinn. Tha aig an am so a mach ’sa stigh eadar mile ’s aona ceud a’ gabhail a phaipeir. Tha ’n àireamh sin tuilleabh us beag. Ged tha gu leòr de phaipearan Beurla ’s an dùthaich aig nach eil uiread sin de luchd-gabhail, bu chòir do’n aona phaipeir Gailig barrachd, a thri no cheithir uiread sin a bhi aige. Ach ged tha ’n àireamh a tha ’ga ghabhail beag, ’s e ’n àireamh a tha ’ga phàigheadh a’s lugha. Na’m biodh gach aon a tha ga ’ghabhail cho math ’s gu’n tha sinn an dòchas gu lean iad air an deagh chleachdadh sin, agus gu’m bi tuilleadh a’ dol ri’n àireamh. Tha feadhainn eile ann air atharrachadh sin ged is duilich leinn e bhi againn ri ràdh, agus ’s ann riutha sin a tha sinn a labhairt. Tha nise ’n geamhradh air tòiseachadh agus b’idh feum mor airgiod gus gnothuichean a chumail ceart. Bi’dh paipear, clo bhuailtearan, luchd-ceairde, agus nithean us feadhainn eile a’ deothel uainn an airgid mar a thig e stigh, agus mur bi an teachd-a-stigh mor, bidh an deothal sin ’gar goirteachadh. Nise ged nach eil aon dollair mòr, gidheadh, ’n uair a thig e stigh, bheir e a leud fhèin as na tha ri chur a mach. Dh’iarramaid uime sin, orra-san nach do phàigh fhathast, iad a dheanamh dichioll air a chur g’ar n-ionnsuidh mu’n tig a bhliadhn ùr. Cha’n eil sinn ag iarraidh tuilleadh ’sa chòir, agus tha sinn an dòchas nach saoilear gu bheil, ach gu faic gach duine gu’m bi a chuid fhéin deante mu’n am a dh’ainmich sinn. Ma ni iad sin théid againn air an gnothuch a chur air adhart na’s fhearr na theid againn aig an àm so. Theid sinn an urras nach bi am MAC TALLA cho beag na cho gann-bhriathrach mu’n àm so’n ath-bhliadhna ’sa tha e dràsda, ’se sin ma chuireas ar càirdean ’nar comas e. Tha sinn duilich gu bheil againn ri innse air an turus so mu bhàs Shir Iain Thompsoin, Priomh Mhinisteir Chanada, agus fear de na daoine bu tapaidhe chaidh àrach riamh anns an dùthaich. Chaochail e ann an Caisteal Windsor, faisg air Lunnuinn, aig cairteal gu da uair fesgar Di-ciaduinn. Mu dheich uairean sa mhaduinn, bha e air a ghabhail a stigh do Ard-Chomhairl, Dhiomhair na Rioghachd (Privy Council). An deigh sin bha e gabhail greim bidh maille ri uaislean eile anns a chaisteal, ’nuair a thainig laigs air. Chuireadh fios air dotair, ach mu’n d’thainig an dotair bha esan marbh. Cha robh dh’ùine eadar e dh’fhàs tinn ’s e chaochladh ach cairteal na h-uarach. Chaochail fear Aonghas Mac Aoidh ann am Bowra, an Astralia, o chionn ghoirid, agus e ceud bliadhna dh’aois. Bu sheann saighdear e. Bha e féin agus triùir bhràithrean daa nam saighdearan ann an reireamaid an Fhrisealaich (an 78 mh) ri linn cogadh Napoleon, agus bha cheathrar a ann am blàr Waterloo. Minard’s Family Pills, glan, fallain. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 189] [Vol. 3. No. 24. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh a chuid bu mhò de’n bhaile bheag a tha aig Beinn Stiubhairt, E. P. I., a’ losgadh oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha seachd taighean deuga air an call, eadar thaighean-comhnuidh us stòraichean. Bha ’n eaglais ùr Bhaisteach air a fosgladh maduinn na Sabaid s’a chaidh. Bha tri seirbheisean innte air an latha sin, aig aon uair deug, aig tri uairean ’s aig a seachd. Bha ’n eaglais air a dòmhlachadh le sluagh aig gach àm. Thòisich sabaid ann au tigh-òil ’an Antigonish Di-ciaduinn air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha tuathanach, fear Gilleasbuig Domhnullach air a thilgeil le fear an taighe. Chaidh an urchair ’na bhroilleach, ach tha choltas air gu’n tig e air adhart. Chaidh fear Alasdair Mac Aonghais, a mhuinntir Taobh Siar Loch Ainslie a lionadh gu dona ann am Meinn Albion am Pictou, o chionn da mhios. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e air a dhol gu math am feabhas. Chaill e fradharc té dhe shùilean. Bha coinneamh mhor aig Fielding us Davies anns a bhaile feasgar Di-luain agus ann an Sidni Tuath air an oidhche. Bha coinneamhan gu bhi aca ais feadh nam bailtean eile, ach ’nuair a fhuair iad sgeul báis Shir Iain Thompson, sguir iad, agus chaidh iad dhachaidh. An la roimhe, thuirt seann da[?]e ann an Cuibeic, aois thir fichead bliadhna ’sa dha dheug, ri theaghlach gu robh e dol dha’n leabaihh, agus nach robh e air son gu’m biodh dragh sam bith air a chur air. An ceann treis, chaidh cuid-eigin suas far an robh e, agus bha e ’n deigh e fhéin a’ chrochadh. Chaidh fear Seumas Sproul a bháthadh ann àn acarasaid Phicton air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e leis fhéin ann am bàta, agus cha’n fhios ciamar a thachair. Chuala seann Innseanach e ag eigheach, ach bha e fhéin cho lapach ’s nach b’ urrainn da a chuideachadh, ’s cha robh duin’ eile faisg air láimh. Chaidh duin’ òg a mhuiuntir Bhaddeck, mac do Bhantrach Ghilleasbuig Dhomhnullaich, a ghoirteachadh ann am Brookfield, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air gearradh coille, agus thuit craobh air. Bhristeabh a chas os ceann na glùine, s thainig an cnaimh ris. Tha eagal air na dotairean gu’n toir e a bhàs. Cha d’ rinn e ach an tigh fhàgail Di-màirt agus thachair so dha Dior-daoin. Ceist. Tha caraid à Ontario ag iarraidh oirnn ’feuchainn ri fhaotainn a mach mu shoitheach a thainig a nall à Alba le luchdimrich ’sa bhliadhna 1793. Tha cuid ag ràdh gu’n d’ ràinig i tir air là Fhéill Andrais. ’S e b’ ainm do’n chaiptein, Thomas—. Ma’s urrainn do neach sam bith dad innse thaobh an t-soithich, bi’dh sinn gle thoileach fhaotainn. Chaidh echd tunna de dh’ easgannan a chur air falbh à Yarmouth gu ruige Boston an la roimhe. ’S iomadh easgann a tha snamh ann an lochan Cheap Breatunn, ’s na’n deante greim orra, gheibhte deagh pris orra anns na Stàtean. Tha ’n rathad-iarninn gu Port Morein deiseil, agus bi’dh e gun fhosgladh gus an tig fear-dreuchd a Ottawa a dh’ fhaicinn gu bheil gach ni ceart. Tha ’n carbad-oibreach a dol cho fada ri drochaid ’Ic Neacail, taobh deas Loch Chatalone. Chaidh sabhal le fear Oliver Lawton, tuathanach ann an New Brunswick, na theine, an la roimhe, agus am feadh ’sa bha e feuchainn ris na h-eich a shabhaladh, chaidh a thachdadh leis an toit, agus chaill e a bheatha. Bha ’n sabhal ’s gach ni a bha ’na bhroinn air a losgadh gu lar. Bhuail soitheach-smùideann an soitheach-smùide acarsa;d Bhoston air an t-seachdain s’a chaidh, agus chuir i dh’an ghrùnnd i agus sianar air bòrd. Fhuaireadh tri dhe na cuirp air an t-acachdain so. Bhoineadh fear dhiubh. Fearchar Bonar, do Arichat. Tha cuirp chaich gun am faighinn fhathast. Iadsan a Phaigh. Aonghas Feargastan, Port Hamond, B. C. Domhnull Mac Coinnich, Cowell Cove, P. E. I. Aonghas Màrtuinn Grand View, do D. W. Mac Gillebhrath, Dalkeith, Ont. Domhnull Domhnullach, Mira. Calum Gillios, Braigh Mhargaree Bean L. D. Mac Illemhaoil, Loch Ainslie. Murcha Mathanach, St. Anns D. I. MacIllemhaoil, Port Morien Alasdair D. Dùghallach, Margaree Deas. Mor Nic Aonghais, Roxbury, Mass. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith. Gu ma Fada beo a Ghailig. Tha mi cinnteach gu’n toir e mor-thoireachadh do’r luchd-leughaidh a chluinntinn gu bheil a’ Ghaidhlig an drasda ’ga teagasg ann an Oil-thigh Antigonish. Cha robh e furasda cead toisichidh fhaotainn, ’chionn tha moran eile aig na sgoilearan agus aig a luchd-teagaisg ri dheanadh. Ach de riamh a dh’ fhairtlich air clanna nan Gaidheal n uair o chuireadh iad an cinn ri cheile agus a sheasadh iad guallainn ri guallainn? Chuir ma dhusan de ghillean dileas, tapaidh anns am bheil am fior spiorad togarrach, suidhichte, a thug buaidh anns gach cearna de’n t-saoghal rompa gun tugadh iad onar iomchuidh do, chainnain màthair, dh’aindeoin cosdais is gach ni eile a bh’aca ri dheanadh. Thug duin’ uasal òg, urramach mor-bhrosnachadh dhaibh le bonn cuimhne òir a thairgsinn do’n fhear is fhearr a sgriobhas agus a leughas Gàidhlig aig ceann na bliadhna. Shoirbhich gu math leotha agus a nis tha ’n Class Gàidhlig ag coinneachadh da uair ’san t-seachduinn; agus a bharrachd air a sin tha ceilidh aca ann an seòmar an fhir-theagasg a h-uile h-oidche Di-Luain. So a chuid is cridheile de’n gnothach. Gu de le sgeulachdan, òrain, agus comhraidhean theid an oidche thairis tuille is luath. Bithidh an CLASS gle thaingeil airson cuideachadh sam bith a dheònaicheas càirdean na Gàidhlig a dheanadh leotha. AONGHAS Oìl-Thigh Naomh Francis Xavier, La Fheill Aindreas, 1894. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI, F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir. [TD 190] [Vol. 3. No. 24. p. 6] Air Faondradh. Dh’éirich a’ ghrian, agus chaidh mi a rithist air faondradh le beann ’s le gleann. Bha a’ ghrìan gheal a’ sior-dhealradh os mo cheann agus a soillseachàdh suas dhomh rudan neònach agus a’ toirt solus air àitean bòidheach ùr. A rèir coltais bha spiorad nam beann a nochadh dhomh, fabhar agus deadh-ghean thar cumantas agus fios da rireadh aig gum b’urrain mi, “S gum bu bhàird mi,” iomadh focal fileanta, agus ro math, a raidhtinn mu na beanntan aig’. Air a’ mhaduinn sin gu dearbh, leig e fhaicinn dhomh, na beanntan a b’annsa leis, air dòigh air nach fhaicear gu tric iad. Ach cuideachd, chunnaic na beanntan mis’, air riochd air nach fhaicear le moran mi. Bha ’na mo shùilean a’ dealrachadh, seudan a cheart cho luachmhor riu-san e bha ’nam laìdhe air feur a’ ghlinne agus bha driuchd a ghràidh, mar dhealt na maidne, a’ fliuchadh mo ghruaidhean. Thuig na giubhais gach ni, a bha ’na mo chridhe agus rinn iad an cuid meanglain a luasgadh, ’g an crathadh gu cairdeil rium, mar a nì na daoine balbh an làmhan chum an gàirdeachas a leigeil fhaicinn do chàch. Tuilleadh fòs, a tighinn astigh orm, bha fuaim anabarrach binn, mar gum biodh na cluig a’ seinn air eaglais iomrallach a chaidh air chall ’s a choille. Is ábhuist do mhuinntir na dùthcha, clag beag a chur air gach crodh is caoraich. Bi aig na cluig sin fonn taitneach air leth, agus theirear gur e an co-ghliongarsaich, a nì an torman binn sin, a chluinnear air feadh frithean na tire. A rèir àirde na gréine, ’s e aithn-an-la a bh’ann, ’nuair a thachair mi air an dearbh-leithid seo de threud cluigeach. Chuir mi fàilte air a bhuachaill, fear càirdeil, donn, òg agus rinn e furan rium. Fad iomadh ruigh mu’n cuairt cha robh taigh idir ann, agas bha mi glé thoilichte nuair a thug fear nam crodh, cuireadh dhomh biadh a ghabhail comhla ris. Ghabh mi gu buidheach ris a chuireadh, agus rinn sinn suidhe, mar gum b’ann gu greim-cubhaige, o nach robh againn ach aran is cáise. Ghabh sinn ar cuirm gu sona sùnndach, na h-uain a’ tiolpadh air na criomagan. Bha na laoigh bheaga, cuideachd, a’ dlùthadh oirnn, cuid dhiu a’ plathadh gu tlusail ruinn le’n tlàth-shùilean mor, cuid eile ri surd ’s ri suigeart, na meanbh-chluigein ac’ a’ gliongailt gu h-aighearach. Bha sinn ann, direach mar righrean. Am buachaille gu h-airidh, agus esan ’na shuidhe air tolman bhoidheach bha e a reir mo bheachd-sa ’na dhearbh-righ, agus le’r cead, bi mis’ a’ cur air mo bharail, dreach is coltas na bardach, mar seo— “Is righ gu cinnt’ am buachaille, Gach tòm mar chathair dhà, ’S mar choron ghlormhor os a cheann ’A ghrian ’san speir gach là.” Eadar le GALL-GHAIDHEAL. Meirle-Sgriobhaidh. Mu bhliadhna o’n am so, thainig duine ’stigh do’n taigh-sgoil anns robh mi-fein nam’ cheannard, agus, do-brigh gu’m b’aithne dhomh e riomh, agus gun robh e air a chunntas na dhuine geur-chuiseach, bha mi fior thoilichte tachairt ris. An deigh dha roinn do’n chlionn a cheasnachadh ann a leubhadh sgriobhadh, sruinne-eolas agus eolas ceart-chainnt, dh’fharraid e dhomh fein an cuala mi an t’oran a rinn e do’n Bhraighe, no mar a theiradh e “do Ghleann Aoghnais Duibh.” Thuirt mi ris nach cuala gu-dearbh, agus gu’m bu shubhachas leam eisdeachd ris. “Well mu tha” ars ehsan, ’s e ga leagadh fhein air a bhlian air bord-sgriobhaidh fa m chomhair, agus an toiseach ag aireamh gach reusan a bh’ aig air cumha san am, a bharr air gach aillead naduir a bha foillsichte fa chomhair a shuil ’nuair a shuidh e air “Creag Dhubhaill” sa mhaduinn chiuin air an d’thug An Ceolraidh buaidh air, ghabh e sios domh deich na dusan ceithreamh do bhardach a bha ro-eireachahdail na m’bharail-sa; agus le cho fior mhath sa chord i rium dh’fhoighneachd mi dheth am biodh e’n aghaidh dhomh a cur gu Mac Talla. Bha e ro-aontach na a aoilinh feìn gu’m b’ fhiadh e rum ann. Sann le mor thir-ghraìdh a chaidh mì feln gu saothair an CUMHA fhaighainn ann sa phaipear, ach gu mi-sheal bhar bha mise ’g obair do’n mheirlach. Re uine na dheigh so, chunnaic mi-fein a chuid bu mhodha de’n oran cheudna ann am paipear Albanach a thainig amach o chionn beagan bliadhnaichan agus faodaidh neach a thiugsean gu de salan a chuirinn-sa brochan Thearlaich an latha sin. Mu’n d’fhuair mi sgriobhadh gu Mac Talla mu dheibhinn, thuair an thudar buaille sgaiteach on fhear do’m b’aithne toirt seachad. Chunnaic luchd-leubhaidh Mhic-Talla briathran A. M. Lean Sinclair a bagairt air a leithid do dhanadas, Tha mi’n dochas gu d’thainig gach ni gu cluasan Thearlaich ged a tha iad fo mhoran fuilt mar as tric; agus faodaidh e bhi gle cinnteach mu shuidheas e gu brath tuille air “Creag Dhubhail” gum bi mise deaseil gu upag thoirt da leis a Sgriodan. CALUM C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. [TD 191] [Vol. 3. No. 24. p. 7] Toimhseachain. Bha duine araidh air son faighinn thairis air loch; bha madadh-ruadh, giadh agus adag eorna aige ri thoirt thairis leis,—dhitheadh am madadh-ruadh an giadh agus ditheadh an giadh an t-eorna, ’s bha ’n tuigheam aisig cho beag ’s nach b’urainn e ach aon diubh a thoirt leis comhladh. Cia mar a fhuair e tharis iad? AISEAG NAN CEARDAN.—Bha aig seanar cheardan, truir fhear agus truir mhnathan, ri faighinn thairis air caolas le eathar beag, nach tugadh leatha ach dithis comhladh. Bha na fir ag’ iadach ri cheile, agus cha’n fhaodadh aon de na mnathan dol thairis ach le fear fhein; ni mo a dh’fhaodadh i bhi lathair air taobh seach taobh maille ris na fir eile, gu’n a fear fhein a bhi comhladh rithe. Dh’fhaodadh na mnathan a dhol a null no ’nall le cheile, ach gu’n aon de na fir eile a bhi maille riutha. Cia mar a fhuair iad thairis? Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach. Tha e air aithris gu robh brùidealachd uamhasach a’ dol air adhart air gach taobh ’n uair a bha na h-Iapanich a thoirt a mach Port Arthur. ’N uair a chunnaic na Sineich nach robh dòigh ac’ air an daingneach a ghleidheadh, rinn iad diol uamhasach air a chuid sin dhe’n naimhdean air an d’fhuair iad greim; chuir iad gu bàs iad, agus thug iad an cuirp as a chéile na’m mirein. An deigh do’n daingneach tuiteam ann an lamhan nan Iapanach, rinn iad an diol ceudna air na Sineich. Leighisoadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Tha’n clar-cuimhne a bha Gàidheil Ghlinn Garraidh a dol a chur suas anns an t-seann eaglais aig Kirk Hill mar chuimhneachan air an aithrichean a thàinig thar cuain ann an 1793 agus a shuidhich ann an Gleann Garraidh an ath shamhradh, a nise deiseil, agus bidh e air a chur suas Latha Nollaig. Cherokee Vermifuge air son nam biastan. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 192] [Vol. 3. No. 24. p. 8] Oran an Uisge-Bheatha LE RAONULL MAC IAIN MHIC EOGHAIN. ’Nan eiridh anns a mhaduinn domh, ’S mi dol a mach gu’m Sheirbheis, Gu’n thachair oigfheur gasda rium, ’S bu chath [?]nach a sheanachas. Bhon thaitinn fhearas chuideachd rium, ’S ann cuide ris a dh’ fhalbh mi— Thug esan bharr an rathaid mi, ’S dh’fhag sin an gnothach cearbach. Ged dh’fhalbh mi air an turas ud, Air m’ urras bha mi smaointinn, Gu ’m bu mhath an tearnadh dhomh. Nan tairinn a bhi saor bhuaith. Thachair cuid de ’chairdean ris D’am b’ abhaist a bhi ’n gaol air. ’S cho fad ’sa mhaireadh fairdinn ’dhaibh Bhiodh pairt deth air a thaobh san. ’N uair ’bha mi greis na chomunn, Is a bha mi togairt falbh bhuaith’ Bho’n fhuair mi e cho caoimhneil, Gun do fhoighneachd mi de b’ ainm da. Thuirt esan dean air tadhail Is glaodh fhathast air an t-searbhant, Is lion an soitheach solasach, Am fear tha ’n stop mar ainm air. Ghnoc mi màs a ghurraich S chuir mi cuireadh air an t-searbhant’; Smaointich mi, on dh’ fhuirich mi, Gum paighinn bun a sheanachais Dh’ fhaighneachd mi a shloinneadh deth Ged cheileadh e de s ainm dha; Is thuirt e rium le faoilt Cha bhi aon diu ort an dearmad. Ma tha thu ’g iarraidh eolais orm ’S gu bheil thu feorachd m’ ainme, Gu faigh thu fios mo shloinnidh Ri bhi [?] bhig am sheanachad. ’S mi mac na poite duibhe ’Bhios na suidhe ’m bun a ghealbhain: Se ’n t-eorna buidhe ’s athair dhomh, ’Se ’n atharnach mo sheanamhair. Ma ’se s gur [?] urra sin, Cha’n ’eil a [?]ch [?]rbach: Cha’n fhaca mi fear ealaidh ’Bheireadh barrachd ort, an Albainn, Gu dearbh bu deagh fhear-gnothaich thu. ’S bu chomharraicte air falbh thu; Bu dannsair math le fidhil thu, ’S nad shuidhe bu tu ’n seanachaidh Bu mhath air cheann gach feum’ thu Bha thu treubhach, fearail, dalma. Bu tric thu air na feilteachan, Bhiodh speis diot aig luchd-bargain; Cha bhiodh aite ’n suidheadh iad; Nach guidheadh iad fear t’ainm’ ann; ’S tu b’ fhianuis air an cumhnantan, ’S bhiodh trian de ’n chuis ad earbsa. Bu leoghann treubhach, sgairteil thu, Cha robh thu lag no leanabail; Mur biodh iad ga do bhaisteadh Gum biodh cus dhe d’ bheairtean ainmeil, Dhuisgeadh tu na cadaltaich ’S gun lagadh tu ’m fear amasguidh; Is deanadh tu ’m fear lapach Chur an staid an fhir bu mheanmnaich’. De nis is ni[?] fuirich dhuit, No bha [?] bhunaidh dearbh dhuit? No [?] aig daoin’-uaisle, Mar a [?] uair dho t’ aimsir? Is minig a bha fuaim ac’ ort Ca[?]ch cuachan airgid; Bhiodh uisge teth is fuar aca Ri [?] do mhac-meanmna. Chan fhuiling iad an drasta mi, Tha [?] anabarr ’G an [?] leis an statalachd; Tha [?] ro shearbh leo. Cha leig iad bith [?] lathair dìom Bho’n tha mi [?] Albainn; ’S fearr fion, [?] ’s branndaidh leo ’Tha tigh’nn a nall thar fairge. Gur gnothach tha ro chruadalach Ma chumas bhuainn do chomhradh; Gu’m deid a chuis bho eireachdas Ma cheilear air an stop thu. Do ghlasadh ann an seileirean Gun choire tha e neonach, ’S gur h-iomadh fear a theireadh Nach bu bheag air thu na sheomar. Rugadh Raonull Domhnullach, Raonull mac Iain mhic Eoghain, ann Sgire Mhinginish san Eilein Sgitheanach, Bhe é na dhiune geur, deas chainnteach, Chaidh tri de na h-orain aig’ a chur am mach ann an Leabhar Dhomhnuill nan Oran ’sa bhliadhna 1811, Marbhrann Fear Thalasgair, Oran an Uisge-bheatha, agus Oran an Acrais. Chaochail fear Thalasgair ’sa bhliadhna 1800. Bha Raonull beo aig an am sin. Feumaidh e a bhith gu bheil fios aig cuideigin cuin a rugadh e, cuin a dh’eug e, agus co dhiu a bha e pòsda no nach robh. ALASDIR. Aig àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba, air an t-samhradh s’a tighinn, bidh an t-Urramach Domhnull Mac Leòid, à Glascho, air ainmeachadh gu bhi na cheann-suidhe. Is mac e do ’n Urr. Tormoid Mac Leòid, ris an abradh iad “Caraid nan Gàidheal.” Bha athair, bràthair ’athar, agus a bhràthair ’nan cinn-suidhe air ard-sheahadh na h-roimhe, Eaglais agus ’s esan mar sin an ceathramh neach as an aon teaghlach air ’n do chuir [?] obair. Tha e tri fichead bliadhna sa ceithir a dh’aois. Tha e na àrd sgoileir, agus na fhear sgrióbhaidh air nach toir moran bàrr. Bu dual dha sin o athair. Bha ’m buntàta glé fhad air ais ann an Eirinn air an fhoghar s’a chaidh, agus cha’n eil teagamh nach bi bochduinn an an àiteachan air tàileabh sin. Chaidh dlùth air tri mile deug duine à Eirinn gu Sasuinn air an fhoghar, dh’ionnsuidh na buana. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C, B Feb. [TD 193] [Vol. 3. No. 25. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 22, 1894. No 25. Oran Alasdair. (LE DONNACHA BAN.) LUINNEAG. Alasdair nan stop Ann an sràid a’ chùil. Sin an duine còir Air am bheil mo rùn. ’S coma leat an sile B’ annsa leat an stòp, Cha n-e sin bu docha Ach am bòtal mòr, Théid thu do’n tigh-òsda, ’S òlaidh tu gu fial; Cha robh gainne stòrais Air do phòca riamh. Bha thu greis a’t’ aimsir Ann an àrm an Rìgh, Cumaidh sin riut airgead, ’S fhearra dhuit e no ni. Gheibheadh tu le d’ cheanal Leannan anns gach tìr, Ged’ a bhiodh tu falamh Cha bhiodh bean a’d’ dhìth. Tha thu math air fairge, ’S tric thu marbhadh éisg, Cas a shiubhal garbhlaich, Théid thu shealg an fhéigh. Ged’ thuirt Calum-breac Nach robh thu tapaidh riamh, Cò a chreideadh sin Ach duine bha gun chiall? Nuair a théid mi Ghlascho ’S taitneach leam bhi ’g òl, Ann an tigh mo charaid Alasdair nan stòp. AN T-OGANACH AGUS AM BAS. Tha e air aithris gu ’n d’ thainig am Bas aig am araidh a dh-ionnsaidh gille oig agus dh’ innis e dha gu’n d’ thainig e g’ a iarraidh. “Cha’n ’eil sin coltach,” fhreagair an gille “mise nach do bhlais ach gle bheagan de thoilinntinnean na beatha—thoir thu fein as gu ceann fhichead bliadhna co dhiu, gus am pos mi agus am meal mi tomhas de shasachadh an t-saoghail.” Dh’ fhag am Bas e air an am. Thainig e rithisd mu cheann na h uine ’chaidh ainmeachadh. “O, bhochdainn!” ars an duine og, “an d’ thainig thu cheana?” Fhreagair am Bas, “Nach do dheon, aich mi dhiut an dàil a dh’iarr thu?” ‘Ach,” ars’ an duine, “nach ’eil thu ’faicinn leis an iomaguinn ’s an dragh a th’agam a’togail mo theaghlaich nach d’fhuair mi fhathast a’bheag d’an toileachadh ris an robh suil agam,—bi falbh gu ceann fhichead bliadhna eile; bithidh an sin mo chlann air an togail agus comasach air son cothachadh air an son fhein.” Dh’fhag am Bas e a rithisd ’s cha do thill e gus an robh an duine mu thuaiream tri fichead bliadhna dh’aois. “Cha’n fhaod e ’bhi nach ’eil thu nis air do lan shasuchadh leis an t-saoghal,” ars’ am Bas, “air chor agus gu’n tig thu leam a nis gun do shuil a bhi’n a dheigh.” “Fhuair mi gu cinnteach uine chuimseach ach bu mhomha mo charraid na mo thoileachadh. Thar leam, a nis na’n deonaicheadh tu fathasd dhomh beagan bliadhnachan a chaithinn ann an sith ’s an suaimhneas, gu’m falbhainn leat air bheag doilgheis; ach cuimhnich gu’n cuir thu tri comharan am ionnsaidh m’an tig thu, a thoirt sanais dhomh gu bheil thu ’tighinn.” Mu thuaiream deich bliadhna’ na dheigh sin thachair am Bas air ann an riochd eile, air choir ’s nach d’aithnich e gur e bh’ann. Chuir e failt air an t-seann dhuine a’s thuirt e, “Tha mi toillichte d’fhaicinn a’ dol m’an cuairt cho calma.” “Mise calma!” ars’ an duine cha’n ’eil mo cheum ach goirid, turamanach;—nach ’eil thu ’faicinn gu bheil mi am feum bàta g’am chumail o thuisle.” “Tha do chlaisteachd maith,” ars’ am Bas. “O, cha’n eil mo claisteachd ach fior dhona; is ro bheag a chluinneas mi de chomhradh ged a bhios mi gle dhluth ’laimh.” “Tha do leirsinn gle mhath co dhiu,” ars’ am Bas. Gu dearbh cha’n ’eil; tha mi feum nan speuclair.” “So so,” thuirt am Bas, ’s e ag innseadh co e, “thig leam gun tuilieadh dàlach.” “Ach nach do gheall thu tri comharan a chur air toiseach ort?” “Agus nach ’eil thu fein ag aideachadh,” fhreagair am Bas, “gu’n d’fhuair thu tri—call do lùth’s, do chlaisteachd agus do leirsinn? Chuir thu uait, o am gu am, gach iomradh air a’bhas, a’ cur romhad a bhi ullamh an ath uair a thiginn; ach tha mi ’faicinn nach ’eil buannachd ann a bhi cur seachad na’s fhaide; feumaidh tu tighinn leam a nis, co dhiu tha thu deas no nach ’eil.” Eadar. le J. W. A Amhuinn Dhennis. A Charaid:—’S fhad o’n bha dùil agam sgriobag a chur do’r n-ionnsuidh, ach bha cion naidheachd ’g am chumail air ais. Bha mi’n dùil gu’n rachadh agam air gabhaltaichean ùra fhaotainn do’r paipeir gasda; ach tha e cho duilich do chuid a dhaoine dealachadh ri sgillinn; ’s fhearr leotha bhi aineolach air staid Gáidheal air feadh an t-saoghail, na sent a chur a mach air son a’ Ghàilig a chumail beò, ged is i an ite ’s fhearr a tha ’nam boineid. Gheibh sibh dollar anns an litir so bho charaid air son bliadhn’ eile de ’n MHAC-TALLA. Tha an t-ainm aig bonn na litreach. Air maduinn Di-màirt, an t-aona latha deug dhe’n mhios so, chaochail seana bhean chòir, bantrach Ghilleasbuig Cheanadaich, aig Caolas a’ Bhoom ’sa choimhearsnachd so. Bha i ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir deug a dh’ aois. Thàinig i á “Tir nam Beann” o chionn còrr us tri fichead bliadhna ’sa sia. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil Iain Caimbeul a Ghlinne an deigh bean òg a’ phòsadh ’s na Stàitean. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada agus soirbheachadh math dhaibh. “An còir seann luchd-eòlais dhol á beachd, ’s gun chuimhn’ orra bhi ann?” Cha chòir idir; agus uime sin ceadaichibh dhomh Nollaig Chridheil a’ ghuidhe dhaibh uile troimh ’n MHAC-TALLA. Leis gach deagh Dhùrachd Dec, 18, 1894. X. Y. Z. [TD 194] [Vol. 3. No. 25. p. 2] LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE, MU OIDHCHE NA CALLUINN. A THEACHDAIRE GHAOLAICH, FAILT ’us furan ort, ’fhir mo ghràidh, rùn do chridhe air do chliathaich; na’m biodh e mar a bu mhiann leam-sa ’s ann agad a bhiodh an cridhe eutrom, agus an sporan trom. Tha mis’ aon uair eile ann am thigh fhèin, agus da rìreadh is fhiach do dhuine dol o’n tigh air son an t-sòlais a tha ann am pilleadh dhachaidh. ’S ann an sin a bha ’m furan; có ach Màiri ’n uair a fhuair i a’ bhoineid chonnlaich, agus an cleòca sgàrlaid. Chunnaic mi nach robh feum seasamh a mach na b’ fhaide. Is duine pòsda thu fhéin; a Theachdaire, agus tha ’fhios agad nach ’eil e iomchuidh cur uile gu lèir an aghaidh nam ban. Is prìseil sìth, agus bu choma leam riamh cànran teallaich mu fhaoineis. ’N uair a dhealaich sinn air a’ Ghalldachd gheall mi sgrìobhadh ’ad ionnsuidh o àm gu h-àm, mu chuid de na cleachdaidhnean sin a bha cumanta ’n ar dùthaich anns an àm a dh’fhalbh. Ged nach miann leinn cuid diubh ath-ùrachadh, o’n a tha iad gu luath a’ dol air dì-chuimhn’, cha’n eil e mi-iomchuidh an aithris leo-san a chunnaic iad, air son fiosrachadh na h-aitim a thig ’n ar déigh. ’S ann air là deireannach a’ mhìos so a b’ àbhuist doihh a’ Challuinn a chumail. Tha iad ag innseadh dhomhsa, (ach ’s ann agad fhéin is fearr a tha ’fhios,) gu’m bheil am focal so, Calluinn, a’ ciallachadh fuaim, gleadhraich, no farum, ’s gur ann o ’n othail a bhiodh air na Gàidheil air an oidhche sinn a fhuair i’n t-ainm. Bheir mi cunntas duit air an oidhche Challuinn mu dheireadh a chunnaic mi ann an teaghlach Ghlinne-deiseiridh, anns a’ bhail’ ud thall. Och! och! b’e sin tigh a’ mhanrain, ’s na h-aoidheachd, ge fliuch fuar an nochd a làraichean briste. B’e m’ athair-sa pìobaire Ghlinne-deiseiridh, mar a bha ’athair fhéin roimhe. Faodaidh mi ’ràdh gu’n d’ rugadh sinn ’n ar pìobairean; che’n ’eil mac a rugadh dhomh mu’n gann a théid e bhàrr na cìche, nach glac feadan cho nàdurra ’s a thogas am meann ris a’ chreig. Ach mar a bha mi ’dol a ràdh—b’e cleachdadh an teaghlaich so an tuath, ’s an gillean, gach oid’ agus muim’ agus co-dhalta a chruinneachadh air Oidhche Challuinn; agus mar ’bu ghnàth, thàinig Eòghan Bàn Maor mu’n cuairt latha no dhà roi’n àm. “’Illean,” ars’ Eòghan, “biodh ’ur camain deas agaibh air son latha na bliadhn’ ùire, agus ’s e iarrtas an teaghlaich gu’n cumamaid a’ Challuinn mar bu nòs. B’ aobhar sòlais an cuireadh so leis na daoine; agus cha d’ fhàgadh a mach air a’ bhliadhna sin ach Calum dubh nan gabhar clann Eòghainn mhòir nan cluas. Cha b’ ann gun aobhar a rinneadh so; ach o’n oidhche sinn bha ’m binn a mach ’s a dùthaich, agus b’ éigin doibh iad fhéin a thoirt as. Thog m’athair air mu áird’ an fheasgair, ’n a làn èideadh Gàidhealach, agus claidheamh ’chinn airgid air a chrios, a thug e fhéin a mach latha Chuil-fhodair. Ràinig sinn an tigh mòr, agus an saoil mi fhèin am bi mo chridhe am am feasd tuilleadh cho eutrom, shunndach? Choinnich maighdeanan an teaghlaich sinn le dos de ribeinean air son na pìoba. Thug m’ athair cuairt air an réidhlean, agus chruinnich na daoine. Thàinig àm na Calluinn. “Cò a ghiùlaineas an t-seiche ’m bliadhna?” ’deir Eòghan Bàn Maor. “Cò ach Pàra mòa,” ars’ an dara h-aon. “Cò ach Iain bàn leathann,” ars’ an t-aon eile. “’Mach an t-seiche, ’Phàra mhòir.” ars’ am maor, “agus thus’, ’Iain bhàin, seas r’a ghualainn ’an earalas nach tuislich e.” Cha robh an t-seiche fada ’g a toirt a nuas bhàrr nan sparran, leis gach sùidh ’us luath a luidh oirre, o’n a chaidh an tarbh buidhe leis a’ chreig deireadh an fhogharaidh. Tharruing Pàra mòr, agus ’s ann da a b’ aithne, an t-seiche mu ’mhullach a chinn, agus cuairt de’n earball aige gu daingeann ’n a dhòrn. “Cothrom na Fèinne,” arsa Pàraig, ’s e gabhail a nunn gu dorus an tigh-mhóir, far an robh fear a’ bhaile ’n a sheasamh, le ’chaman ’n a dhòrn. “A’ Challuinn so,” deir esan, ’s e ’toirt na ceud bhuille. Thug Para mòr as—’s ma thug, ’s ann an sin a bha ’chomh-ruith ’n a dhéigh: a dh’ aindeoin a luais bha ceathairn a’ Ghlinne r’a shàil! Shaoileadh tu gu’n robh gach buailtean ’s an dùthaich air aon lobhta, ’s a h-uile mac máthair ’s a’ Challuinn ’n am beul. “A’ Challuinn a’ bhuilg bhuidhe bhoicinn, buailibh an craicionn—a’ Challuinn so!” Trì uairean chuairtich iad deiseal na h-aitreibh. “Séid suas a Phìobaire,” ars’ am Maor, “’s an uair a chearrtaicheas a’ chuideachd iad fhéin rachadh iad a steach do sheòmar a’ mhàil.” Chluich m’ athair “Fàilt’ a’ Phrionnsa;” oir ged nach robh duine ’s an rìoghachd a bu rìoghaile na Fear Ghlinne-deiseiridh do’n Teaghlach a bh’ air a’ chathair, bha bàigh aige ris a’ phort so; agus is minic a chunnaic mi e ’sileadh nan deur ri cluinntinn a’ chiùil nuallanaich sin, a bhrosnaich na daoin’ o’n d’tháinig e, gu fearalas air na blàraibh iomraideach anns an do chaill iad an ni ’s an daoine. Ghabh sinn a stigh do’n t-seòmar far an robh an teaghlach agus na h-uaislean cruinn. Bha e fhéin, ceann-uidhe na féille, aig ceann a’ bhùird, agus a’ bhaintighearna mhàlda, chaomh r’a thaobh. Bha ’n òigridh rùnach (ach O! ’s beag dhiubh ’tha ’n diugh a làthair) ’n an seasamh mu’n cuairt doibh. Bha Fear-a’-Choire aig an dorus mu’n goideadh aon air bith a stigh gun Rann ua Calluinn ’aithris, agus Iain bàn nam buideal r’a ghual, agus searrag ’n a làimh. Cha robh neach aig nach robh Rann air an oidhche sin ach Iain mòr Gallda, agus gille óg moiteil, a bha bliadhna no dhà ’an Glascho, ’s a dhì-chuimhnich cleachdadh na dùthcha. Cho luath ’s a bha ’chuideachd a stigh chaidh an caisein-uchd a dhothadh, agus chuireadh mu’n cuairt e.—Chuir Iain bán nam buideal mu’n cuairt an deoch, agus bha ’n t-aran ’s an càise air a chàrnadh suas air an ruideil mar bu nòs. ’An déigh beagan seanachais thòisich na h-Orain. Thug e fhéin duinn Iorram, agus b’ ann da a b’ aithne. Ghabhadh iomadh Luinneag agus Duanag bhòidheach, maille ri órain iomraimh agus luathaidh. Thug am Brocair dhuinn Dàn a’ Choin ghlais, agus Aonghas nan Aoirean sgeulachd mun Fhéinn. ’An déigh nan òran thòisich an dannsadh, ’s cha b’ iad na ceumanna mìne sìod, a th’ aca ’n tràs’! Cha d’ éirich ’s a’ cheud dol a mach ach a h-aon—tè a tháinig a stigh fo éideadh cailliche làidir tighe, le ’h-iuchraichean a’ gliongarsaich air a crios, agus fire, faire! ’n a coslas. Sheinn na mnathan port à beul d’i—“Cailleach-an-Dùdain,”—’si ’chuireadh na cuir dh’i! ’N a dhéigh sin dhannsadh an “Dubh-luidheach,” agus “Danns’ a’ Chlaidheimh:” ach ’s ann a bha ’n fhearas-chuideachd ann ’n uair a thòisich “Dannsadh-nam-Boc,” [TD 195] [Vol. 3. No. 25. p. 3] “Figh-an-Gùn,” agus “Croit-an-droighinn.” Thàinig àm dealachaidh—chuir na h-uaislean fàilte na Bliadhn’ ùir’ oirnn le caoimhneas, agus dh’ fhalbh sinne. “’Illean,” ars’ e fhéin, mar a bha sinn a’ dol a mach, “bithibh tapaidh am màireach air an fhaiche, tha muinntir an Leathair a’ maoidheadh gu’m fairtlich iad oirnn ’s a’ chamanachd am bliadhna.” Mar so chuir sinn seachd a’ Challuinn, agus ge sean m’athair cha’n fhac’ e tuasaid, agus cha chual’ e focal mi-thlachdmhor riamh air a’ leithid a chòmhdhail. ’S ann o na sguir na h-uaislean a choinneachadh nan daoine, agus o eòlas mar so a ghabhail orra, a thòisich a’ mhisg ghràineil anns na tigheau dubha òsda, a tha ’tarruing a dh’ ionnsuidh gach mibheus. Bha muinntir gach oighreachd mar aon teaghlach, snaim a’ ghràidh a’ ceangal gach cridhe r’a chéile, agus sùil chàrdeil an uachdarain thairis air an iomlan. B’e sgeul a’ bhròin dha-san nach fhaigheadh cuireadh a dh’ ionnsuidh na Calluinn. Mar tha’n caidreamh agus an dlùth eòlas so eadar uaislean agus ìslean a’ dol à cleachhadh tha modh agus sìobhaltachd a’ fàgail na tìre; agus ’an àit’ an fhleasgaich mhodhail, shuairce, aoidheil, dhàicheil, a b’ àbhaist duinn ’fhaicinn, ’am measg ceathairne na dùthcha, cha’n fhaic sinn ach an dubh-bhalach trom-cheannach, gun mhodh, gun suairceas,—Dh’ fhaodainn an so iomadh deadh chomhairle tharbhach a thoirt air na h-uaislean, ach cha leugh iad a’ Ghàelic, agus cha ghabhadh iad suim de chomhairl’ a’ Phìobaire. Slàn leat, a Theachdaire Ghaolaich, ma chaomhnar mi gu là na Bliadhn’ ùire leigidh mi fios duit cia mar théid do’n chamanachd. Is mi air an àm, Do charaid dìleas, FIONNLADH MAC-AONGHAIS. Chaidh stad a chur air train ann an ’Texas air an t-seachdain s’a chaidh agus gach duine bh’air bòrd a robaigeadh. ’S gann gu bheil seachdain dhe’n bhliadhna ’dol seachad gun so a thachairt. ’S olc an teisteas sin air lagh na dùthcha “Chunnaic mi mo sheann charaide Callum Bàn an diugh,” arsa Domhnull “agus O ’s e tha tana, caol. Tha mise caol ’s tha thusa caol, ach, air m’fhacal, gu bheil esan na’s caoile na ged bhitheamaid air ar cur cuideachd!” MIANN NA BAN-EIREANNAICH. Bha duine uasal àraid ann an Eireann, agus bha a bhean ro dhona airson an òil. Cha ro fiù a leine nach reiceadh i gu ceannach an uisge-bheatha Bha an duine air eigneachadh leatha, ’s cha romh fios aige ciod e ’dheanadh e gu thoirt oirre ’n t-òl a thréigsinn. Mu dheireadh, ’s ann a chaidh e gu lighiche ’bha ’s àite ’dh’ iarraidh comhairle air son a galair. Am bheil e n’ur comas nì sam bith a thoirt domh air son bean a bhios a gabhail na daoraich? ars’ an duine. “’N e puinnsean a tha uait” ars’ an lighiche, “mas e, iarr gu fearail e, ’sna bi ’deanamh éis?” “O cha ’n ’eil mise ’g iarraidh puinnsean, ach rud-éigin a bheir oirre sgur de ’n òl.” “Na m b’ urrainn mise leigheas a thoirt air a ghalair sin” ars’ an lighiche, “bha m’ fhortan deanta. Ach coma ce-dhiù, dian mar so a’ nochd. Thoir leat galan uisge-bheatha agus leig leatha òl gus gu ‘m miannach leatha fhéin sgur; agus theid mise ’n rathad ’s a’ mheadhon oidhche.” Mar so bha. Thug an duine leis an t-uisge-beatha. Dh’ òl a bhean e; agus anns a’ mheadhon oidhche, thàinig an lighiche. Dh’ fhalbh an dithis leis a bhean, agus shìn iad i fuar marbh leis a’ mhisg ann an seilear iochdrach seann chaisteil a bha ’s a’ nàbuidheachd. An deigh beagan cadail, dhùisg i, agus shìn i air feòrachd c’ àite an romh i. “Tha thu ann an tìr ua bithbhuantachd” ars’ an lighiche ’bha ’g a fhalach fhéin air a cùl-thaobh. ‘Agus c’ fhada le ’tha mi ’s an tìr so?’ars’ ise. ‘Tha còrr is bliadhna’ ars’ an lighiche. “’S cinnteach gu ’m bheil mi marbh ma tha mi cho fada sin ann’ ars’ ise. ‘Tha cho marbh ri clach.’ ‘Agus am bheil thusa marbh mar an ceudna?’ ‘Tha.’ ‘Agus c’fhada tha thu ’s an dùthaich so?’ ars’ ise. ‘Tha còig bliadhna’ ars’ an lighiche. ‘Gun teagamh tha sinn uile marbh a réisd.’ “Tha; gach neach againn.’ Air do’n lighiche ’m freagairt so a thoirt di, rinn i suidhe agus air son seal beag lean i air smuaineachadh gu cùramach. Cha robh fhios aig an lighiche ciod e bha i ’dol a chantuinn. Mu dheireadh thuirt i—“Tha mi cinnteach gu ’m bheil thusa gu math eòlach ’s an àite; am bheil fios agad c’ ait am faigh mi uisge-beatha?’ Cha robh fhios aig an lighiche ciod e’ dheanadh e ’n uair a chunnaic e gu n do shir i’n dran ann an dùthaich nan spioradan; s thug e chasan as.—An Gaidheal. Tha e air a ràdh gu’n tèid aig Banrigh Victoria air labhairt an dà chànain dheug, a h-aon deug de chànainean na Roinn-Eorpa, agus aon de chànainean na h-àirde ’n Ear, Hindustanee. Cha’n eil ach ceithir no còig bliadhna bho’n thòisich i air a chainnt sin ionnsachadh, agus théid aice ’n diugh air a labhairt gu fileanta pongail. Bha Eirionnach agus Albannach uair a gabhail an rathaid cuideachd ann an carbad, agus ghabh an t-each eagal ’s theich e. Chuir so eagal mor air an Eirionnach, agus dh’eigh e, “B’ fhearr leam na crùn gu robh mi as an uidheam so!” “Dean air do shochair,” arsa ’n t-Albannach; “bidh tu as luath gu leòr, ’s cha chosg e crùn no sgillinn dhuit.” Agus mar a thubhairt b’fhior. Bha saor Eirionnach uair ag obair air tigh a thogail, agus lion e eadar an da bhalla le min saibh air son nach cluinnte fuaim sam bith triomhe. ’N uair a bha’n obair ullamh, chaidh e fhéin ’s fear an tighe chur deuchainn air. Chaidh fear a mach ’s sheas e dlùth ris a bhalla, ’s sheas am fear eile mu choinneamh air an taobh a stigh. “An cluinn thu mi?” arsa fear an taighe. “O cha cluinn guth!” arsa ’n t-Eirionnach. Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge Ma dh’èisdeas tu ris gach sgeul a chluinneas tu, èisdidh tu iomadh uair ris na breugan. Ma dh’éisdeas tu ris na breugan, thig thu air a’ cheann mu dheireadh gu bhith ’gabhail tlachd dhiubh. Agus aon uair’s gu’n gabh thu tlachd de na breugan tòischldh tu an toiseach ri an aithris, agus ’na dhéigh sin, ri’n deanamh. Thoir an aire, ma ta, nach creid thu gach sgeul a chluinneas tu, air eagal gu’n creid thu na breugan. Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach. Flur math air $3.50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math Jost Bros. [TD 196] [Vol. 3. No. 25. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 22, 1894. Tha duine ’thug sgriob air feadh na Gàidhealtachd air an t-samhradh so ’chaidh ag innse gu bheil cor nan croitearan a’dol na’s fhearr na h-uile bliadhna. Tha na seann taighean a sior dhol na’s gainne agus tha taighean ùra, cloiche, air an deagh thogail, a’ gabhail an àite, Fhad ’sa phaigheas croitear an latha ’n diugh am màl, cha’n urrainn Diùc no bàillidh a chur as an fhearran. Cha b’ann mar sin a bha leth-cheud bliadhna roimhe so. Tha’n Diùc Sutharlanach a creic fearainn ris an tuath air pris glé reusanta, agus ann an iomadh àite tha na Gàidheil a faotainn seilbh air an fhearann as ’n do chuireadh an aithrichean air son àite dheanamh do na caoraich. Bidh so na sgeul mhath le Gàidheil na dùthcha so. Tha sinn o sheachdain gu seachdain a feuchainn ris a phaipear a dheanamh cho feumail do’r luchd-leughaidh sa’s urrainn duinn. Tha sinn an dòchas gun do shoirbhich leinn anns an oidhirp sin an tomas co-dhiu. Tha sinn duilich nach eil barrachd de na Gàidheil a gabhail a MHAC TALLA, ach ma bhios iadsan a tha ’ga ghabhail cho dileas ’sa bu dual dhaibh o’n sinnsir cha chùram dha. Tha sùil againn ri bhi ’cur eòlais eadar so us Bliadhn ’Ur air àireamh mhor nach b’aithne dhuinn gu robh ’n leithidean ann roimhe so. Cha’n eil am MAC TALLA ach dolair ’sa bliadhna; cha b’urrainn do neach fiach dolair a b’fhearr na e fhaighinn air son na bliadhna tha tighinn. ’Se Di-màirt s’a tighina latha Nollaig. Tha MAC-TALLA ’an dòchas gu’m bi a luchd-leughaidh uile ann am fonn math air son am latha chumail gu cridheil, sunndach. Tha na h-Iapanich a sior ruagadh nan Sineach. Cha’n fhiorsrach sin gun do choisinn na Sineich aon bhlàr fhathast. Tha na h-Iapanich a coimhead riaghailtean cogaidh gle mhath, agus tha iad an deigh ioghnadh a chur air sluagh an t-saoghail air fada. Tha corp Shir Iain Thompsoin ri bhi air a thoirt a nall thar a chuain air bòrd soithich-cogaidh Breatunnach, am Blenheim. Tha so air a dheanamh air iarrtus na Ban-righ. Tha e ri bhi air adhlacadh le mòr ghreadhnachas ann a’ Halifax. Dh fhàg Sir Iain bantrach agus coignear chloinne, dithis ghiliean agus triùir nighean. Tha té dhe na h-igheanan car tinn o h-òige. Tha’n dithis ghillean ag ionnsachadh lagha ann an Toronto. An deigh bàs Shir Iain Thompsoin, ghairm an t-Ard-riaghladair Mr. Mac Coinnich Bowell gu bhi na Phriomh Mhinisteir air Canada. Tha Mr Bowell a nise ’n deigh an ard-oifig sin a ghabhail, agus an deigh a luchd-comhairle thaghadh. Tha ’n luchd-comhairle bha aig Sir Iain aig air an taghadh uile, agus tha triùir ùra air an gabhail a stigh còmhla riutha, Mr. Dickey, Dr Montague, agus an t-Onarach Domhnul Mac Fhearghais. Tha coig ceud ceithir fichead us seachd canain air an cleachadh anns an Roinn-Eorpa. Anns an t-saoghal air fad, tha mach ’sa stigh mu dha mhile cànain. Oidhche Luain s’a chaidh, fhuaireadh poit-dhubh aig obair ann an teis-meadhon baile Chuibeic, ’s cha robh fhios aig duine beò roimhe sin gu robh a leithid ann ach mhàin aig an fhear leis ’m bu leis i. B’e n dòigh air an d’ fhuaireadh a mach i, gu’n do spraidh i, ’s ghabh an tigh anns an robh i teine. Thug so an sluagh mu’n cuairt agus fhuair iad an sin fios air an obair a bha ’dol air adhart. Bhuineadh i do dh’fhear Redmond, aon de dh’ ard-mhaoir a bhaile! Bha e fèin us naoinear eile air an goirteachadh gu dona. Rinn maoir a bhaile greim air na bha làthair dhe’n phoit agus dhe’n stuth a bhatar a deanamh leatha. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94 D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 197] [Vol. 3. No. 25. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha coinneamh aig Cléir Shidni ann an Sidni Tuath Di-Ciaduinn. Tha Eaglais ùr Chléireach air a cur suas ann am Bridgeport agus bidh i air a fosgladh am màireach. Tha ’n trosg gu math pailt mu chladaichean St. Ann’s an dràsda. Tha so math ma leigeas an t-side leis na h-iasgairean a dhol ’gan glacadh. Bha Cùirt na Siorramachd na suidhe ’sa bhaile air an t-seachdain ’sa chaidh, agus gu meadhoin na seachdain so, Cha robh air a beulaobh ach càsan beaga. Tha e air aithirs gu bheil Diùc York a’ cur roimhe cuairt a chur air Canada air an t-samhradh a tha tighinn. An deigh dha an dùthaich so fhaicinn gu math, théid e gu Astralia. Chaidh soitheach, seòlaidh a St. Pierre a ghlacadh eadar Sidni Tuath us Cow Bay air an t-seachdain s’a chaidh, agus luchd de stuth làidir aice air bòrd. Chaidh an stuth a thoirt dhith, agus air do’n chaiptean càin a phàigheadh fhuair e fhéin ’s an soitheach ma sgaoil. Cuimhnicheadh ar luchd-leughaidh gu bheil feum mòr againn air airgiod mu’n àm so ’n bhliadhna. Tha againn ri ioma ullachadh a dheanamh air son a’ gheamhraidh nach gabh deanamh ma chumas ar càirdean uainn ar cuid fhèin. Thoireadh gach aon nach do phàigh cluas dha so, agus deanadh iad an dleasnas gun dàil. Chaidh soithach-iasgaich do ’m b’ ainm “Maggie E. McKenzie” a chall aig St. Pierre air an treas latha dhe’n mhios so. Bha ’n tigh-soluis a bh’ aig an àite air a losgadh an latha sin agus cha robh dòigh ann air rabhadh a thoirt do shoithichean. Chaidh an criù a thogail le soitheach-smùid a thàinig an rathad, agus cha do chailleadh duine. Bhuineadh a chuid bu mhò dhe na seòladairean do Cheap Breatuinn. Bha bail’ Ottawa, ’sa mhaduinn Di-màirt, fad cheithir uairean gun bhoinne uisge ri fhaotainn ann. Chaidh rud-eigin cearr mu’n obair-uisge, ’s cha tigeadh deur troimh na pioban. Bha moran a mhuinntir a bhaile a siubhal o thigh gu tigh feuch am faigheadh iad uisge air son biadh na maidne dheasachadh; agus bha feadhainn eile ag obair fad nan ceithir uairean ag aiteamh nam pioban an dùil gu’m b’ annn air reothadh a bha iad. Tha muinntir Newfoundland ann an droch staid aig an ám so. Bhrist da bhanc ann an St. John’s air an t-seachdain s’a chaidh, agus àireamh de na taighean-caannachd bu mhò bh’ anns an dùthaich. Tha airgiod nam bancaichean sin a nise gun luach sam bith, agus tha còrr us muillean dollar dheth air feadh na dùthcha. Tha luchd-riaghlaidh na dùthcha a’ bruidhinn air pris a chur air gach dollar paipeir a tha mach air chor ’s nach bi an call cho trom air na daoine bochda aig a bheil iad. Tha iad a’ deanamh mach gu’n téid aig fear de na bancaichean air slànachadh. Ged a b’ àrd inbhe Shir Iaìn Thompsoin, cha robh aige ach glé bheag dhe’n t-saoghal air cùl a làimhe. Thatar an dràsda cruinneachadh airgid air son a bhantrach ’sa theaghlach a chumail suas. Chuir Sir Domhnull A. Smith leis fein coig mile dollar ($5,000) anns au ionmhas air an son. Tha pris nan each air tuiteam glé iosal anns na Stàtean. Bha duin’ uasal ann an té de na stàitein an Iar o chionn ghoirid a chuir as do dhs each eireachdail a bh’ aige, a chionn nach robh feum aig orra gu toiseach an t-samhraidh, agus gu’m biodh e moran na bu shaoire dha an leithidean eile cheannach an uair sin na an toirt troimh ’n gheamhradh. ’s ann air na h-eich a thàinig an dà latha. Bha pris mhòr orra deich no dusan bliadhn’ air ais, ach tha i a sior thuiteam. Anns an ám bha na h-eich ri ioma obair a tha innealan smùide us éile a’ deanamh an diugh. Iadsan a Phaigh Aonghas Màrtuinn, Grand View, E. P. I. Uisdean Mac ’Illealain, Narrows Creek Gilleasbuig Currìe, Dundas, An t-Urr. I. C. Mac Ille-mhaoil, Cardigan, Chaidh seana-bhean d’am b’ainm Sine Nic Latchy a losgadh gu bàs ’an tigh peathar faisg air Hillsboro’ N. B., maduinn Di-màirt. Chaidh a pinthar a mach air ceann gnothuich agus ’n uair a thill i bha ise ’sa h-aodach air a losgadh dhith ’si marbh Bha i beagan as a rian o chionn treis ùine, agus tha e coltach gu’n robh i car a cleasachd leis an teine. Bha teine mor ann am meinn Springhill ’sa mhaduinn Di-ciaduinn. Thoisich e ann an tigh na h-olla, agus sgap e gu luath. Bha na h-uile sion faisg air laimh làn olla, agus cha robh dóigh air stad a chur air an teine gus an d’ràinig e àiteachan air nach faigheadh e greim cho math. Tha ’n call air a mheas aig $75,000. Cha’n fhiosreach sinn gu’n d’rinneadh leònadh air duine. Bha dithis mhac aig duine àraidh; agus b’ àbhaist do’n dara fear a bhi ’g éiridh gu moch ’n uair a bha am fear eile na chodal. Air àm éigin fhuair fear na moch-éiridh sporan airgid air an rathad. Ars’ athair agus e dol leis an sporan thun an fhir a bha ’s an leabaidh “na’m bitheadh thusa air éiridh cho moch ri do bhràthair dh-fhaodadh thu fhéin an sporan fhaighinn,’ “’S math dh-fhaoidhte gu m faodadh,’ ars’ esan “ach na m bitheadh an duine bochd a chaill e na chadal cho anmoch riumsa, cha chailleadh e sporan.” Chaidh soitheach do’m b’ ainm Don Juan a bhristeadh air cladach Denmark beagan roimh ’n ám so ’n uiridh agus bha àireamh dhe na bh’ air bord air an call. Dissathairne s’a chaidh fhuaireadh corp a chaiptein air an tràigh, ’sa choltas air gu robh e ’n tiodhlacadh fad na bliadhna anns a’ ghainmhich. Fhuaireadh ’na phòcaidean airgiod agus paipearan a bfhiach naoi fichead mile dolair ($180,000). Bha ’n corp cho slán sa bha ’n latha bhristeadh an soitheach. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin. P. KERR, Maighstir [TD 198] [Vol. 3. No. 25. p. 6] Lachuinn agus a Mhuc. Bha sid ann uair duine do ’m b’ ainm Lachuinn, agus bha e pòsda ri beann chòir do’m b’ainm Màiri. Bha iad a’ gleidheadh fearainn, agus am measg an stuic a bh’ aca bha treud beag mhuc. Aon bhliadhna thàinig galair mosach air té de na mucan, agus ghabh Lachuinn an t-eagal mur gabhadh e aice ’na àm gu ’m biodh càch uile air an aon ruith rithe. Bha e treis mhath a feuchainn ri dòigh leighis fhaighinn, ach ’n uair dh’ fhairtlich sin air, ’s ann a thuirt e ri bhean, “A Mhàiri, ’eudail, cha’n eil mi smaoineachadh gu bheil dòigh ann a’s fhoarr dhuinn na Kerosene a chur oirre agus sradag theine chur rithe; cuiridh sin as do na creutairean leibideach a tha ’cur as dh’i, agus ma ghabhas i gu math luath, cha dean e coire sam bith dhi.” ’Se so a rinn iad. Chaidh gach ni a chur an órdugh, agus chaidh Lachuinn a dh’ obair. Fhuair e air adhart glé mhath, ’s cha robh reusan gearain air ni gus an deach an teine ’lasadh. An sin thòisich a mhuc air gearan ’na dòigh cheòlmhor féin ’s air cur nan car dhi air feadh nan cnoc. Cha robh choltas air an teine gu rachadh e as a dh’aithghearr, agus thug Lachuinn ’sa chuideachd—Màiri a measg chàich, a mach as a deigh, feuch am b’ nrrainn daibh an teine mhùchadh. Anns an ruith a bh’ aca thainig a mhuc faisg air Màiri, agus ghabh a h-aodach teine. Bha Lachuinn an sin eadar an teine ’sa ghriosach,—Màiri a’ dol na toine, ’sa mhuc a’ dol ’na teine. Thug e làmh aìr Màiri a chur as, ach sùil gu’n tug e thar a ghuaille, ’s bha mhuc a deanamh direach air dorus an t-sabhail. “A Mhàiri, a ghràidh,” ars esan, “bidh mi ’g ad fhàgail-sa an làmhan an Fhreasdail, ’s théid mi thilleadh na muice. Ma gheobh a bhèist a stigh dh’an t-sabhal cuiridh i ’na smàl e.” Dh’ fhalbh e na ruith ’s na dheannaibh, ’s fhuair e mhuc a thilleadh mu’n d’ rinn i cron sam bith, agus fhuair e fhéin ’s na coin ’s na gillean a saodach gu boglaich, anns an deach i an sàs, agas an sin chuir iad as na lasaichean a bha ’ga cuartachadh. Cha robh air fhàgail oirre dhe ’n fhionntaich ach na bha mu’n amhuich ’s mu’n dà shlinnein; dh’ fhàg sin i car coltach ’na dreach ri leòghann, agus b’e ’n “Leòghann” an t-ainm a bh’ aig nàbuidhean Lachuinn oirre gu la a bàis. Cha dean math dhomh sgur gun innse mar a chaidh do Mhàiri. Cha do dh’ éirich dad dh’ i: chuidich am Freasdal leatha mar a ghuidh Lachuinn, agus fhuair i cuibhteas an teine gun a bhi uiread ’s air a dáthadh. TORMOID MOR. Ann am Beloochistan, dùthaich a th’anns na h-Innsean an Ear agus a bhuineas a nise do Bhreatuinn, nuair a bheirear lighiche gu duine tinn, agus a bheir e deoch-leighis dha ri òl, tha aige fhèin ri deoch dhe’n t-seòrsa cheudna ’ghabhail. Ma ’se ’s gu’m bàsaich an duine tinn ’nuair tha e fo ’chùram, tha còir laghail aig dislein an duine air a chur gu bàs, ach air uairibh bidh còrdadh air a dheanamh eatorra nach cuirear gu bàs e idir. Ach ma bhithear a’ dol a chur as dha feumaidh e gabhail ris coltach ri duine. Shaolamaid nach biodh na dotairean glé phailt ’san dùthaich sin. Leighiseadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhad le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Bha réisimeid ann an aon de dh-Innsean na h-àirde n iar; bha moran do na daoine bàsachadh, agus cha mhòr gum b fhèarr na h-oifigich. An déigh do n iarmad tighin dhachaidh, bha duin’-uasal a choinnich aon do na saighdearan, a feòrach ciod bu choireach ris na daoine bhi ‘siubhal co lionmhor. “‘Se bhi ‘g òl a rum ùr a bha ‘gam marbhadh,” arsa ’n saighdear. “Creididh mi sin mu na daoine, ars an duin uasal “ach cha’n urrainn e bhith gu’n robh na h-oifigich ag òl àn rum ùr! “Cha robh idir, le’r cead, arsa’n saigheear; “se ’n seann rum a chuir as do na h-oifigich.’ Chaidh dithis ghillean aois choig bliadhna deug, an losgadh gu bàs aig Denbigh, ’an Ontario, feasgar Di-màirt. Bha iad air am fàgail leotha fhéin ann an tigh coimhearsnaich, agus air dòigh-eigin air nach eil fios, chaidh an tigh ’na theine agus bha iadsan air sn losgadh ’na bhroinn. Minard’s Family Pills, glan, fallain. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. [TD 199] [Vol. 3. No. 25. p. 7] An Gille Dubh cha Treig Mi. SEISD:— An gille dubh cha tréig mi, ’S le fear a chruidh cha téid mi, An gille dubh cha tréig mi, Bho’n thug mi fhèin mo ghealladh dha. Tha mo chàirdean deonach, ’S iad toileach mise ’phòsadh, Ri fear airson a stòrais— Nach gòrach libh ’n am barail iad! Is e mo ghaol an t-uasal A dh’ imich thar nan cuantan; Bu shealgair choileach-ruadh e. M’ an gluaiseadh iad ’s a chamhanich. ’N uair dhìreadh tu na stùcan Le d’ ghunna caol nach diùltadh, Bhiodh coilich dhuth na dùrdail Ga’n toirt o chùl nan toman leat. ’Nuair thèid thu thun na féille Do ’n chlachan ri là gréine, Cha’n fhaicear measg nan céudan Fear éugais a ghille dhuibh! Gur e mo ghaol an t-òigear Aig ’bheil a’ phearsa bhòidheach— Troidh chuimir am broig chòmhnaird Nach toir air feoirnean carachadh. Gur e mo ghaol an t-òigear Aig ’bheil a’ mheall-shuil bhòidheach Gu’n aithnichinn do cheum còmhnard A mach air lòn a bhaile so. Gur e mo run an t-àrmunn A chaidh a nunn thar sàile; Na’m faighinn cead do chàirdean, Gun dàil gun deanainn banais dhut. Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n tòir ort, ’S do ghruaidhean mar na ròsan; Do chneas mar chanach lòintean, ’S mar ite ’n eòin do mhalaidhean. ’S ann an raoir a rinn mi bruadar Am chadal air a chluasag— ’Sa’ mhaduinn ’nuair a ghluais mi, Gu’m b’ fhada bhuam an gille dubh. Gur mise th ’air mo lionadh, ’Bhi cuimhneach’ air do bhriathran; Gu’m b’ fhearr nach fhacas riamh thu, Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam. Ma rinn thu mise ’théigsinn Le comhairle luchd-bréige Cha’n fhiosrach mi fo’n ghréin, Ciod e ’m féum a tha’nns an leannanachd. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-bréige, Mo mhile beannachd fhéin leat Bho’n ’se gu’m b’ fhéudar dealachadh. Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith. Cherokee Vermifuge air son nam biastan. Taghail aig Stor MATHESON & TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN. Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 200] [Vol. 3. No. 25. p. 8] AM BRUADAR INNSEANACH. AIR FONN.—“Air feasgar luain is mi air chuairt.” Air dhomhsa tuiteam trom an suain Gu’n bhruadair mi mu Thir an Fhraoich, Ge fada bhuam thu air a’ chuain, An cearnaibh tuath bha tir nan laoch; ’S gu’m facas leam ’nam aisling bàrd, Ro aosd air fàs le ciabhaig liath, ’S air leam gu’n thog e ghuth gu h-àrd, Ri gul gun tàmh ’s ri caoidh nan triath. ’Na aonar leig e ’throm air bat, ’S gu cianail chrom e sios e fein, Ri gabhail soraidh leis gach àit’ A b’ àillidh leis na àit fodh ’n ghrein; Gu’n cuimhnich e na laithean cian A thriall a null, ’s nach till a chaoidh, ’S gu’n cuala mi am bárd fodh phian Mar so ri deanamh bròn no caodh:— (CAOIDH A’ BHAIRD.) O, thir mo graidh, ’Thir ard nam Beann, ’S tu’n tir a b’ annsa leam bho thùs, ’S an tric a thriall mi cnoc co gleann, Ma ’s d’ fhàs mo cheum cho mall gun lus; ’Se lion mo chridhe lan de bhron Bhi faicinn fearainn coir mo ghaoil, Na fasach lom le feidh ’s le eoin, ’S an sluagh nam fògraich bhochd fodh sgaoil. Tha’n sliachd nach striochdadh riamh do namh A nis air falbh do chearnaibh cein, ’S tha cearcan-fraoich an aite-tamh Nan Albannach bha calma treun; Na glinn bu coghainn leam thar càch Gu tur dol fàs fodh choill gun bhrigh, ’S och, och, nach fhaigh ni chaoidh gu bráth An dream a dh’fhag fodh leon mo chridh’. Cha b’ armailt bhorb a nall thar ’sail ’Thug buaidh am blar no shàruich sinn, Oir riamh cha d’ fhuaireadh siol no àl ’Bu chalm’ air blar bho lian gu linn; Cha b’e:—ach sionnaich miosach breun A bhrath a’ Ghaidhealtachd do Ghoill, ’Sa mhiall ’s a mheall na Gaidheil threun, Le laghan eucorach luchd-foill. B’e uachdarain gun iochd gun truas A sgap an sluagh bho chuairt nam beann, ’S na slaighteirean ’bha lan de chruas ’G am fuadach as gach cluain ’us gleann; Mar Indas lubach lan de cheilg, Gu’n ghlac iad coir air roinn ’us raoin, G’ an reic le foill do lamh luchd-seilg, Chum faighinn seilbh air moran maoin. Mor mhallachd bhuan gu robh ri tamh Bho cheann gu sàil nam meirleach breun, ’G an leantuinn dluth gach taobh ’us lamh ’S an dàn dhoibh tamh no triall fodh’n ghrein; Mar bhuin iad fos ri bochdan truagh, ’S ri dilleachdain gun truas, gun bháigh Mar sin gu’n tuiteadh sios an snuadh, ’S an cridhe cruaidh le bron no craidh. Air leam gu’n cluinn mi ’ghaoth ri seinn Gu cianail binn tre ghlinn mo chridh; ’S gach sruth gun tamh ri caoidh na sonn A dh’fhalbh thar tuinn, ’s nach till a chaoidh; Tha ’n uiseag bheag do’n ciùine ceol, ’S an smeorach bhochd, gu tursach fann, Ri gul ’s a’ caoidh na sonn a sheol ’S nach till ri ’m beo gu Tir nam Beann. Am aonar tha mi caoidh do ghnath An dream a b’ abhuist comhnuidh leam Ach ’s fada bhuamsa dh-fhalbh gu brath An dream nach fagadh m’inntinn trom; ’S mar sìn cha’n ’eil cion fath fo’n ghrein ’Ni m’ anam eibhinn bho so suas Gu’n d’ thig am bas am ionnsuidh fein Lo ’shaighdean guineach geur gun truas Cha’n ioghnadh ged tha m’ inntinn trom ’S nach tog mi fonn air oran binn ’S mi nis air fas cho lag ’s cho lom ’S gur coma leamsa ceol a sheinn; Oir thriall mo roghainn as an tir, ’S na’n ait tha ciobairean ’us eoin, ’S cha b’ aill leam féin a riamh gu fior Bhi striochdadh sios do shiol na foill. Gur cianail tha mi ghnath leam féin Mar chailleach-oidhch’ air call h-àl, Mar Oisein bochd an deigh na Feinn, Tha mise caoidh na dh’fhalbh air sail; Oir dh-fhagadh mi ’na’m aonar truagh, Mar long air cuan gun chrann, gun seol, Le cridhe brist air call mo shnueadh, Nach eirich suas le duan no ceol. Cha chluinn mi tuilleadh cainnnt nam beann A’ chainnt a b’ annsa leam fodh ’n ghrein, ’S cha’n fhaic mi chaoidh air raon no gleann, Na h-oighean grinn ri seinn gu seimh; ’S ma chluinn mi pìob lo torman ard, Bho bhalgairean aig siol luchd-dreuchd, ’S ann thuteas inntinn throm a’ bhaird, ’S a chridhe sgaint’ le cràidh ’us creuchd. Ach beannachd leis gach cnoc no sliabh, ’S gach sruth ’tha triall tre ghlinn mo ghaoil. Tha m’ anail fàs gu fann ’nam chliabh, Mo shuilean blian ’s mo cheann cho maol, Tha m’ anam tùrsach trom fodh chàs, Gu fann a’ fas le brón ’us caoidh, ’S mar sin aig uair ’us ám mo bhàis, Oh, thir mo ghraidh, slan leat a chaoidh! An sin, gu’n thuit am bard fodh sgios, ’S air leam air ball gu’n chaill e’n deo, ’S ’nuair bhásaich esan, dh’ fhailnich sios, An Gaidheal deireannach bha beo; Gu’n chrom an giuthas sios a ceann, ’S mu thimchioll chruinnich ainglean neamh. ’S gu’n thiodhlaic iad e’n Tir nam Beann, Chum codal trom gu suthainn seimh. Gu’n chlisg mo chridhe, ’s dhuisg mi suas Bho’n aisling suain a bhruadar mi, S air ainm mo Dhe ’tha lan de thruas, Gu ’n d’ thug mi luaidh le run mo chridh; Toirt taing do Righ na cruinne cé Gu bheil na Gaidheil fathast beo, ’S an dochas feadh gach linn ’s gach re, Gu’n d’ theid E-fein mar thearmunn leo! Rinneadh an t-oran so le fior-Ghaidheal—Mhr I. MacGriogair a tha na Ard-Oifigeach san Arm anns na h-Innseachan. Leugh mi e o chionn ghoirid ann am paipeir Gàidhealach agus smuainich mi gu’n taitneadh e ri leughadairean MHIC TALLA. CABAR FEIDH. Lunnainn, 28, 11, ’94. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bidh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. Feb. [TD 201] [Vol. 3. No. 26. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 29, 1894. No 26. Guth bho Abhuinn Mhargaree. Chaidh an Nollaig seachad ga sitheil, samhach. Bha seirbhis ’s an eaglais pharaist againn aig coig uairean ’s a mhaduinn. Chaidh mata ’n Nollaig seachad gu samhach, agus, taing do Dhia ’s ann mar sin a b’ abhaist d’i dhol seachad ’an so. Cha robh duin’ air mhisg ’n ar measg. Ach gun teagamh cha’n ’eil mi ’g radh sin mu mhuinntir na h-aibhne leis an aon inntinn ’s an d’ thuirt maite an t-soithich m’ an chaiptin e. Bha caiptin ann roimhe so d’am b’fheudar latha de na laithean an leabhar air falbh an t-soithich a chumail—a chionn nach robh am maite air chomas a dheanamh. An uair a bha cunntas an latha deante, sgriobh an Caiptin aig iochdar na duilleige, “bha ’n maite air an daoirich an duigh fad an latha.” Rinn am maite gearan ’n uair a chunnaic e so, ach ’s e thuirt an caiptin ris, an urrainn thu dhol as aicheadh nach robh thu air an daoirich? Ach, coma co dhiu, la-r na mhaireach bha ’m maite cumail nan leabhraichean. Agus an uair a bha obair an latha deas, sgriobh e aig bonn na duilleige, “bha ’n caiptin sobare ’n diugh fad an latha.” Fhuair an caiptain gun teagamh coire dha airson so, ach ’s e thuirt am maite ris, na sgriobh mi facal ach an fhirinn? Ach tha ’n fhirinn fhéin searbh air uairibh. Ach gu tilleadh ris an Nollaig, bha muinntir na h-aibhne sobare fad na h-oidhche, agus ’s ann mar sin a b’abhaist daibh a bhi cuideachd;—mo bheannachd aca. Tha dochas aig daoine gu’n toir Tearlach (mor) am falt deth fhéin m’an teid e tuilleadh do thigh sgoile a Bhraighe a’ ghabhail oran,—taobh a stigh nan uairean. Bliadhna mhath ur diubh fhein ’s d’ ur luchd-leubhaidh uile. GILLEASBUIG NA GILE. La-Nollaig, 1894. DONNACHADA BAN AGUS AN GLAS-GHIULLAN.—Tha e air aithris gu’n robh Donnachadh Ban air latha araidh a’ gabhail a thuruis triomh mhonadh, is e ’dol a dh’amharc air aon de’ chairdibh, agus gu’n do thachair gille og ris ’nuair a bha’n comhradh a leanas eatorra:— D. BAN.—Ciod i naigheachd a’ ghlais-ghuillain an diugh? G.— S glas an claidheamh as an truaill, ’S glas an tuadh ’s an teid a’ chas; Nam biodh am faobhar gasda cruaidh, Cha bu mhisd’ a snuadh ’bhith glas. A Dunnachaidh Bhain ’ic an t-saoir, ’S tu oigear gun aoidh gun tlachd; Cha tugainn fhein air do bhardachd Na lionadh cutag thombac! Ghabh Donnachadh Ban a leithid a dh’ioghnadh de ’n fhreagradh a fhuair e ’s nach robh smid sios no suas aige. Ghabh e ceum air aghart. Ach smuainnich e gu ’m bu bhochd dha fhein a bhith air a thilgeadh fo na cosaibh le aon bheadagan balaich a chunnaic e riamh, agus phill e air a’ chois-cheum cheudna feuch am faiceadh se e. Cha robh forais air a’ ghille. Mur do shluig an talamh e na mur do thog an t-athar e cha robh e ri ’fhaicinn! SGUABADH LE FHIACAIL.—Bha dithis dhaoin’ òga o chionn ghoirid a comhradh mu na h-eich, mar is tric le ’n seòrsa bhith. Arsa Murchadh ri Callum, “Co an t-each-réis a’s fhearr a tha ’n taobh agaibh am bliadhna?” ‘O, co,’ arsa Callum, ‘ach am fear a’s àbhaist. Cha’n eil gin ann a théid air toiseach air. Co ’n t-each a’s fhearr an taobh agaibh féin?’ ‘Tha,’ arsa Murchadh; ‘an t-each óg agam fhin. Sghabaidh e an district.’ ‘Mur a sguab,’ arsa Callum, ‘’s cinnteach mi gu’n sguab e an sabhal! Bidh e gu math glan aige romh Bhealltuinn. Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. GAIDHEIL GHLASCHO. Tha sinn a’ toirt a chunntais a leanas a aon de phaìperan an Obain, a bha air a chur a mach mu thoiseach a mhios:— B’ e cuspair a phaipeir a thug Mr. Mac Raing seachad aig a Chéilidh Ghàidhealach oidhche Di-sathurna ’sa chaidh, “Còmhradh air Litreachas Ghàilig. Bha àireamh mhor ann de dh’òighean, de ghillean òga, de bhodaich chòire, agus dhe gach seorsa bhiodh feumail airson comunn cridheil a chumail a dol le foirm ’s deasboireachd gun diomladh. Cha robh ni ri ràdh ’n aghaidh a phaipeir ach cho goirid ’sa bha e. Na bh’ ann dheth, bha e tùrail ggus iomraideach, bha e coltach ri roimh-radh do rud ainneamh math—coltach ri blasad air ubhall ro mhilis, bhitheamaid air son na h-uile h-aon a bh’ air a chraoibh ithe gu léir. Co-dhiu, feumaidh sinn a bhi mar a bha ’n Gàidheal a bha ’dol thar an aisig, ’nuair thug e na sia sgillinn do’n t-Sasunnach—a bhi toilichte leis na fhuair sinn. Bha Mr. Mac Raing ag ràdh gù’n deachaidh mòran de ’n bhàrdachd Ghaidhealach air chall, a chionn nach robh sgil aig na Gàidheil air clo-bhualadh sam bith ach air an cuimhne, agus nach robh iad a’ cleachdadh sgriobhadh fhéin ach glé ainneamh. Chaidh e thairis air moran de na bàird Ghàidhealach, ann an dòigh ro thuigseach, agus tha sinn a meas, ma bhios a chuid a leanas de na cuspairean a theid a thoirt seachad aig a Cheilidh Ghàidhealach cho math ris an fhear so, ’s math is fhiach iad a dol ’g an éisdeachd. Oidhche Di-sathuirne s’a tighinn bidh paipear air a thoirt le Aonghas Mac Dhonnachaidh, mu “Shuiridh agus pòsadh anns a’ Ghàidhealtachd.” Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach [TD 202] [Vol. 3. No. 26. p. 2] LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE, MU’N BHLIADHN’ UIR. A THEACHDAIRE GHAOLAICH, BLIADHNA mhaith ùr dhuit, agus mòran diubh. Thug mi cuntas duit ’s an litir roimhe mu’n dóigh air an do chuir sinn seachad an oidhche Challuinn mu dheireadh a chunnaic mi ann an tigh Ghlinne-deiseiridh. Thèid mi air m’ adhart a nis mar a gheall mi, gu cunntas a thoirt duit mu’n chamanachd air latha na bliadhn’ ùire. Bha ’ghrian air maduinn latha Coinnle fada gun a gnùis a nochdadh, agus ’an déigh dh’i teachd ’am follais os ceann nam beann, bu ghlas-neulach a h-aogas, mar gu’m biodh i’n raoir a mach air a’ Challuinn. Bha ’n ceò gu h-ìosal air an leacainn, a’ chorra-ghriobhach ag éiridh o’n lòn, bha langan an fhéidh air a’ chreachann, bha ’n coileach-dubh anns an leitir, a’ ceartachadh a chuid ibhtean, agus le dùrdail bhòidheach a’ cur fàilte na bliadhn’ ùir’ air an liath-chirc shomalta a bha ’sràidimeachd r’ a thaobh. ’An déigh dhomh fàilt’ a chur air mo theaghlach, agus am beannachd a b’ àird’ a ghuidhe as an leth; agus an déigh dhomh a’ chaora-nollaig a chur seachad, agus sguab a thoirt do’n sprèidh, mar a bha mi ’g am cheartachadh fhéin, cò ’thàinig orm ach Pàra mòr, agus mo ghoistidh Aonghas òg. “Mo bhannag ort a Phìobair, ars’ iadsan, le aona ghuth: bliadhna mhaith ùr dhuit.” “Mar sin duibhse,” ars mise: “ciod so, a Phàraig?” (is e ’toirt làimh’ air searraig a bh’ aige ’n a achlais), “Coileach dubh aig am bheil gogail na ’s mìsle na aon rán a tháinig riamh à sionnsair do phìoba.” Dh’ òl sinn air a chéile, agus thug Màiri an sin làmh air rud beag a bh’ aice ann an seotal na ciste mòire, de ’n fhìor Thòiseach. ’N a dhéigh sin thog mi fhéin orm, oir b’e mo dhleasnas na daoin’ a chruinneachadh air maduinn an là so, le fuaim na pìoba. Ghabh mi suas an Gleann o bhaile gu baile, a’ toirt air mac-talla nan creag freagradh do’n phort— “A mhnathan a’ Ghlinne, Nach mithich dhuibh éiridh.” Na-m biodh a’ phìob an diugh pàiteach, b’ ullamh a gheibheadh i a pathadh a chasg. Bha ’chuideachd a’ dòmhlachadh mar a chaidh sinn air ar n-aghaidh, gus an do phill sinn a nuas taobh eile ’Ghlinne, gu tigh Eòghain Bhàin Mhaoir, far an robh muinntir a’ Ghlinne air an là so r’ an tràth mainde a ghabhail. Chuir a’ Bhaintighearna trì-bhliadhnach muilt do thigh Eòghain a dheanamh na h-eanaraich. Bha boc-earb’ againn a Coire-na-n-iùraich, bradan a Linne-nan-gealag, agus ’n uair a chuireadh r’a chèile na thàinig as gach tigh, de mhulachagan cáise, de chuachan ime, rgus de bhonnaich chruaidhe choirce, bha ann na dh’-fhòghnadh do uibhir eile, ged a bha sinn ann deich-fir-fhichead, de cheatharnaich deas uidheamaichte air son na camanachd, a bhàrr air mnathan ’s air cloinn. Cò ’thachair a bhi ’s a’ chuideachd ach an duine cneasda Lachann nan ceist, agus cha robh do charaid am Ministeir Gallda ’n a urrainn altachadh a b’ fhéarr a thoirt duinn na ’fhuair sinn. Bha greis an déigh dha ’bhi réidh mu’n do labhradh focal. “So! so! a mhuinntir mo chridhe,” ars’ am Maor, “bithibh tapaidh, tha ’m pailteas roimhibh, agus na caomhnaibh e. Tha ’n eanaraich maith, agus a’ bhuidheachas sin dh’ise a chuir an deadh mhult ’g a deanamh.” “Cha’n ’eil an eanaraich dona,” arsa Pàra mòr, “ach tha i anabarrach teith, ar leam fhéin nach bu mhisd’ i dileag bheag de ’n Tòisegch ’g a fionnarachadh.” “’S maith a dh’ fhàg thu e,” ars am Maor, “C’àit’ am bheil an t-slige-chreachainn?” “Sin i fa d’ chomhair, a ghoistidh, cuir seachad i, agus cuimhnich nach ’eil aiseag saor ’an Albainn. Bi tapaidh, a Phìobaire, tha ’ghrian a’ tarruing suas ri Dùn-dà-ghaoith, agus air a’ mheadhon là tha ’chamanachd ri tòiseachadh.” “Fhalbh! Fhalbh!” arsa Pàra mòr, “leig leis a’ ghréin gabhail air a h-aghaidh; tha rathad aice-se, agus rathad againne. Cha’n ’eil Dùn-dà-ghaoith soirbh r’a dhìreadh an diugh fhéin; tha iomadh ceum sleamhainn gu ’mhullach. Tha ’ghrian ro chiallach mu’n àm so ’bhliadhna; cha’n ’eil an t-anabarr deifir oirre ’s a’ mhaduinn, ged is cinnteach mi gu’n tèid i ’n a deann-ruith mu’n tig am feasgar; mar a rinn i a h-uile feasgaa sunndach a chunnaic mi riamh.” “Mo thruaighe, a Phàra mhòir,” arsa Lachann nan ceist, “na bi ’labhairt mar sin mu’n ghrèin, agus a’ tighinn thairis air faoineachd de ’n t-seòrsa sin.” “Cum do thruas agad fhéin,” arsa Pàra mòr; “cha truagh leam cù agus marag m’a amhaich:” leis a’ so thug e làmh air sgonn de dh’ìsbein a bha m’ a choinneamh. Rinn Lachann còir gàire; deir e, “cha’n ’eil maith a bhi ’bruidhinn ri Pàraig.” Thug am Maor sùil orm fhéin, agus an déigh do Lachann buidheachas a thoirt seachad, thog mi orm a mach agus chluich mi “’Ghlasmheur,” fhad ’s a bha Eòghan Ruadh saighdear a’ tarruing suas nan daoìne, a h-uile fear ’s a chanman ’n a dhòrn Ràinig sinn Guala-nan-càrn, far an robh na h-uaislean againn fhéin r ’ar coinneachadh; agus mu’n robh fhios againn c’àit’ an robh sinn, cò ’chuir e fhéin air ar ceann ach Dòmhnull òg againn fhéin—Oighre ’n teaghlaich—’s e ’n dèigh tighinn dachaidh air a’ mhaduinn sin, gun chadal oidhche o’n a dh’fhag e Dun-èideann. A dhuine chridhe! b’ e fhèin am fiùran àillidh! Cha b’ urrainn domh deò a chur s a’ phìob. “Séid suas, ’Fhionnlaidh,” arsa Pàra mòr, “ciod am mulad a th’ort?” “Mulad,” e deir mise, “is fhad’ a ghabh e uam.” Thàinig muinntir an Leathair ’am fradharc, agus Alastair Ruadh a’ Chaoil air an ceann. An uair a mhothaich an dà bhuidheann d’a chéile, thog iad iolach ait ghàirdeachais, a’ fàilteachadh a’ chéile le mòr shubhachas.—Ràinig sinn an fhaiche, agus b’ ann an sin a bha ’n iomadh fhàilte chridheil ’am measg chàirdean agus luchd-eòlais. Thog an latha oirnn gu grianach, soilleir. Air na cnoic mu’n cnairt de’n Bhlàr-ruith’ bha na mnathan ’s na leanaban, maighdeauan na tìre, uasal agus ìosal, eadar dà chloich na dùthcha, ag amharc na camanachd. Chomharraicheadh a mach an taghal, agus thòisich iad air na daoin’ a tharruing. “Buaileam ort, ’Alastair,” arsa Dòmhnull òg. “Leigeam leat,” ars’ Alastair. “Is leam-sa Dòmhnull bàn Chuil-fhodair”—an aon duine ’bu shine ’bh’ air an fhaiche. Thug Dòmhnull bàn ceum gu taobh, agus shaoileadh tu gu’n leumadh an dá shùil as le h-aighear. An uair a bha na daoin’ air an roinn—dà fhichead air gach taobh agus buideal air gach ceann de’n taghal—thilg Alastair Ruadh an caman suas. “Cas no Bas, a Dhòmhnuill-nan-Gleann?” “Bas a chumas ri d’ chois gu h-oidhche,” arsa Dòmhnull. B’ ann air Alastair a thàinig a’ cheud bhuille ’bhualadh; agus air dha am ball-iomanach a shocrachadh, mar a bha e ’togail a’ chamain, ghlaodh Dòmhnull òg—“Deis dé! ’Alastair,’ ars’ esan; “rinn [TD 203] [Vol. 3. No. 26. p. 3] sinn dearmad air cleachdadh latha, ach ’s maith an t-àm fhad ’s a dh’fhaodar a leasachadh. Thig air d’adhart, ’Eòghain bhàin, agus aithris riaghailtean na h-iomanach.” Chruinnich gach aon m’a thimchioll, agus thoirmisg Eòghan, ann an ainm Cheann-feadhna na camanachd, agus do réir nòis an sinnsireachd, connsachadh no trod, focal àrd no mionnan, buille no dórn, caonnag no misg, agus bhrosnaich e iad gu farpuis chàirdeil, co-strì dhuineil, fhearail, gun bhacag, gun cheap-tuislidh. Bhuail Alastair a’ cheud bhuille, agus thòisich a’ chamanachd. Ach cha’n ’eil cainnt agam-sa gus na thachair a chur sìos. Chaidh a’ cheud taghal le muinntir an Leathair, ach ma chaidh, cha deachaidh an latha. Rùisg Dòmhnull òg ’s a chuid ghillean, agus shaoileadh tu gu’n robh Blàr-na-léine a rithist ’g a chur. Bha ’n latha leinne. Bhuaileadh a’ bhuille-choilleig le Eòghan bàn leathann, fìdeag choimheach a chuir a thaghal am ball. Thog sinn caithream nam buadh, ach cha robh ann ach gràdh agus fiùghantas. Chruinnich sinn mu’n bhuideal, agus cha robh dìth no ganntar oirnn. ’N a dhéigh sin chaidh a’ cheathairne a chaitheamh na cloiche neirt, agus ’an déigh iomadh urchair thàbhachdach choisinn Eòghan bán leathann urram an latha. “Mo nàire, ’Illean,” arsa Pàra mòr, “na caileagan bòidheach, lurach ’g am meileachadh ri taobh an tuim; c’àit’ am bheil na dannsairean? Séid suas Ruidhle-thulachain, ’Fhionnlaidh.” Thòisich an dannsadh, agus bha ’ghrian a’ téarnadh sìos gu ìochdar Mhuile, agus seachad air Barra mu’n do dhealaich sinn. Thog sinne oirnn do na Glinn, agus sgaoil ar càirdean sìos a chum an Leathair. Cha chualas focal àrd no mi-mhodhail. Bha iomadh peirceall agus lurgan air dhath nan cearcan-tomain, ach cha robh fuath no farmad mu’n chùis. Ràinig sinne tigh na h-uaisle—bu lìonmhor leus a bha’n oidhche sin ’an aitreabh na h-aoidheachd, ged is ìosal dorch’ an diugh i. Chaidh an oidhche seachad le ceòl agus le sùgradh, agus cha do dhealaich sinn gus an d’thàinig bristeadh na fàire a threòrachadh gach aon againn, a bha gu sgìth cadalach, d’ar leapaichean fhéin. Agus a nis, a Theachdaire Ghaolaich, sin agad cunntas air an dòigh anns am b’àbhaist do d’ shinnsirean latha Coinnle ’chur seachad. Agus ’theagamh, ged nach creid iad air a’ Ghalldachd e, is iomadh deadh bhuaidh a bha’n lorg a cho-chomuinn so eadar uaislean agus an cuid daoine. Bha cainnt ar dùthcha ’an sin aig ar n-uachdrain, agus cha bu tàmailte leis an aon a b’ àirde dhiubh labhairt ruinn air ar n-ainm aig aon choinneimh, no còmhdhail aig am bitheamaid. Bha cinneadas, co-dhaltas agus càirdeas eadaruinn. Ged a b’ ùbhlan iadsan air a’ ghèig a b’ àirde bu mheanglain sinn uile de’n aon chraoibh. Ruigeadh an aon bhuille oirnn air fad; ach taobh a mach de’n teaghlach fo’m bheil air an àm, faodar a ràdh, “Dh’fhalbh sud uile mar bhruadar, No bristeadh builgein air uachdar nan tom.” Pìobairean cha’n ’eil a nis aca; agus ma ’s iad na gillean, cha’n fhiach leo fear-dùthch’ a ghabhail, ach garraich Ghallda: peasain chaola, leibideach, le ’m brigisean goirid, agus stocainean geala, gun smid Ghàelic ’n an ceann; gun dùthchas, gun dàimh, gun uiread misnich ’s a theasairgeadh Oighre ’n teaghlaich o ghob a’ choilich Fhrangaich. Cha b’ ionann ’s do ghillean, a Dhòmhnuill nan Gleann, an là a thàinig an Rìgh air tìr ’am Mùideart, mu’n cuala mi m’athair cho tric a’ labhairt. Slàn leat, a Theachdaire Ghaolaich, is dòcha nach bi cothrom agam air litir a chur ’an cabhaig a’ d’ ionnsuidh, ach is mi da rìreadh, an lá a chì ’s nach fhaic, Do charaid dìeas, FIONNLADH MAC-AONGHAIS. Air son nam biastan—Cherokee Vermifug Leighisoadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. [TD 204] [Vol. 3. No. 26. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 29, 1894. Tha e gu math cinnteach a nise nach mair an cogadh eadar Sina us Iapan moran ma’s fhaide. Tha chùis air dol gu dona ’n aghaidh Sina agus tha i ullamh gu striochdadh do Iapan. Cha’n eil teagamh nach bi cumhachan sithe air an deanamh eatorra an ùine ghoirid. Is tuiteam mhor so do Shina. Tha àireamh mhath de ghabhaltaichean ùra a’ tighinn a stigh an dràsda agus tha sinn ’an dóchas gu’n tig aireamh mhor eile air an sàil. Bu chóir do gach duine aig a bheil meas air a Ghàilig a bhi ’gabhail a’ phaipeir Ghàilig, agus cha ’n eil àm dhe ’n bhliadhna ’s fhearr air son dolair a chur a stigh ’ga iarraidh na mu àm na Bhliadhn’ Uire. Tha sinn an dochas gu’n tig na ceudan dhiubh! Tha e ’na thoileachadh mor leinn a bhi cluinntinn gu bheil a Ghàilìg aig an àm so a’ togail a cinn ann an iomadh àite anns nach d’ fhuair i urram sam bith ’san àm a dh’ fhalbh. Tha air a chuid a’s lugha dá sgoil ùr Ghàilig ann an America air a gheamhradh so, aon ’an oil-thigh Antigonish s aon ’an Mew York. Bha roimhe so sgoilean Gàilig an co-cheangal ir Comuinn Ghàilig Thoronto us Hamilton, agus tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil iad ag obair air a gheamhradh so a rithist. ’S math a tha iad a’ deanamh: tha e na ni gasda toiseachadh air deadh obair, ach tha e na ni moran na’s fhearr leantuinn oirre bho bhliadhna gu bliadhna. Tha Gàidheil Thoronto us Hamilton airidh air am moladh. Agus iadsan nach eil ach air ùr-thoiseachadh, tha sinn an dochas gu’n gabh iad nisneach, gu’n oìbrich iad gu math, agus gu m bi soribheachadh mor leotha Cha d’ fhuiar sinn ach an aon fhios à Antigonish, ach tha sinn a’ cluinntinn gu bheil an class a th’ann an New York a’ dol air adhart gu math; thoisich e le na bu lugha na fichead, agus a nise tha corr us leth-cheud ann, ’s cuid dhiubh a tlgh’nn astar fada. Tha sin na dheagh mhisnich dhaibh-san a chuir air chois e. Tha Comunn Gàilig aca anns a bhaile-mhor sin cuideachd, ’s tha choltas air gu ’m fàs e. Bhitheamaid fior dheònach a bhi ’g innse d’ ar leughadairean o àm gu àm, mar tha dol do na sgoilean ’s do na comuinn Ghàilig. ’S nan cuireadh iad-san a tha dhiubh, fios beag gu Mac-Talla an drásda ’sa rithist, bheireadh esan dh’ an luchd-leughaidh e, ’s cha ’n eil teagamh nach biodh sìn, na mheadhon air àiteachan eile dhusgadh suas gus an eiseamplair a ghabhail. Tha “Cabar-Feidh” ’sa chàirdean glé chuimhneach aìr bhi ’g innse dhuinn mar tha dol dhaibh ann am Baile Mor nan Gall, agus car son nach innseadh Gàidheil Thoronto us Hamilton us Mhontreal us New York us Antigonish mar tha dol dhaibh féin? Bidh sùil againn gu’n dean iad sin. Gu ma fada beò a Ghàilig agus na h-uile dh’ fheuchas ri ’cumail beò! Bha aig muinntir Sirroamachd Richmond ri fear-pàrlamaid a thaghadh Dior-daoin. Bha Mr. Mathanach (an liberal) air a chur a stigh. Fhuair e mu cheud bhot a bharrachd air a’ Mhoireastanach. DROCH SGIORRADH.—Chaidh gille òg le Alasdair Mac Leóid (Feòladais) a’ leónadh gu dona le urchuir ’sa mhaduinn Di-ciaduinn. Bha bràthair dha (Uilleam) a lòdadh guuna beag a bh’ aige agus air dòigh air choir-eigin dh’fhalbh an urchuir. Bha esan ri thaobh aig an àm agus chaidh am peilear an sàs ann mu chuaimh au t-slinnein. Dh’ fhairtlich air na dotairean am peilear fhaotainn; cha’n eil ìad cinnteach an deachaidh no nach deachaidh e rathad an sgamhain. Bha ’n gille bochd gle iosal, ach tha e air a dhol beagan am feabhas, agus tha dòchas aca gu’m faigh e thairis air. Cherokee Vermifuge air son nam biastan Minard’s Family Pills, glan, fallain. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sidni, C. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 205] [Vol. 3. No. 26. p. 5] NAIDHEACHDAN. Cha ’n eil teagamh nach teid àireamh de mhuinntir Cheap Breatunn gu Halifax gu tòrradh Shir Iain Thompsoin, ’nuair ruigeas a chorp a nall. Cha chosd an turus à Sidni ach $2.80, eadar falbh us tighinn. Tha ’n t-adhlacadh gu bhi air a dheanamh le greadhnachas mòr. B’e Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh an latha bu ghiorra ’s bhliadhna. Cha robh ach gann ochd uairean eadar beul an latha ’s beul na h-oidhche, Tha nise ’n latha teannadh ri sìneadh, agus leanaidh e mar sin fad shia miosan gus am bi an oidhche cho gairid ’sa tha ’n latha ’n dràsda. Chaidh maidean a chur air an rathadiaruinn faisg air Eas Niagara an la roimhe, ach gu fortanach thugadh fa-near dhaibh mu’n d’ thàinig an carbad an rathad. Chaidh dithis dhaoine a ghlacadh air amhrus, ach mu’n deach an toirt gu cùirt, dh’aidich gill’ óg, aois sheachd bliadhn’ deug gu’m b’esan a chuir na maidean air an rathad. Tha MAC-TALLA aig an àm so a’ cur fàilte na Bliadhn’ Uire air a chàirdean anns gach cearna dhe’n t-saoghal. Mu’n tig àireamh eile dheth a mach, bi a bhliadhna so air a dhol an rathad a chaidh na bliadhnaichean uile, agus bi a bhliadhn’ ùr air a h-àite ghabhail. Tha sinn a’ guidhe d’ ar luchd leughaidh BLIADHNA MHATH UR AGUS MORAN DHIUBH! The paraisde Mhira an deigh Manse breagha chur suas dh’an mhinisteir aca, an t-Urr. Uilleam Calder. Tha Mr. Calder agus a theaghlach a nise ’fuireach ann, agus tha sinn an dòchas guu cuir iad ioma latha sona seachad na bhroinn. Tha cuimhn aig ar luchd-leughaidh gu robh an tigh anns an robh iad a fuireach roimhe air a losgadh ’sa gheamhradh ’sa chaidh. LATHA NOLLAIG.—Chaidh latha Nollaig a chur seachad ’sa bhaile gu math socair. Cha robh sneachd againn idir, agus mar sin cha robh toileachadh ann a bhi mach, oir bha ’n talamh reòta, agus na ròidean sgreagach, cruaidh. Tha sinn anns an dùthaich so cho cleachte ri sneachda bhi againn ri àm na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire, ’s nach bi sinn toilichte as aonais. Mur cluinn sinn gliengarsaich nan clag air na sràidein ’s air na ròidein-mora, ’s gann a chreideas sinn gur h-i an Nollaig no ’Bhliadhn’ Ur a th’ ann idir. Tha seann duinn ann an Chatham, Ontario, do ’n ainm Uilleam Chambers, agus ged tha e ceud bliadhna ’sa h-ochd a dh’aois. tha e gu math tapaidh fhathast. Thog e air o chionn ghoirid ’s chaidh e gu Manitoba a choimhead air dithis mhac dha aig am bheil fearainn anns an dùthaich sin. Tha fear dhiubh ceithir fichead ’sa tri, ’s am fear eile tri fichead ’sa h-ochd deug. Cha robh duine còmhla ris air a thurus. Bha e ’na dhuin’ òg làidir ri linn Napoleon agus bha e treis an cogadh na Spàine. Dh’fhàg e ’n t-arm beagan roimh Bhlàr Waterloo, agus thàinig e air imrich a Chanda. Tha na stòraichean anns a bhaile so ri bhi air an dùnadh aig sia uairean na h-uile feasgar ach feasgar Di-sathairne eadar a Bhliadhn’ Ur us Bealltuinn. Tha ’n riaghailt so air a deanamh aìr son faochadh a thoirt do na cléirich, agus tha e glé cheart. Tha iad ag obair gu cruaidh fad an t-samhraidh ’s gu deireadh na bliadhna, agus tha e iomchuidh gu leòr a nise ’nuair nach bi fior mhoran ri dheanamh ’sna stòraichean, gu faigheadh iad cothrom air an anaìl a leigeil Tha ’n carbad iaruinn a nise ruith da uair ’s an latha eadar Sidni us Port Morien, no mar theirte ris roimhe so, ’s mar a’s trice theirear ris fhathast, Cow Bay. Thainig àireamh mhor sluaigh a stigh dh’an bhaile oidhche Shatharna, uiread no barrachd ’sa thainig a stigh aig aon àm fad an t-samhraidh. Tha ’n crabad a bhi ruith mar so ’na dheisealachd mhòr, agus ni e feum do mhuinntir an da bhaile. Tha dùil aca gu’m bi e a ruith gu Louisburg mu mheadhon an t-samhraidh. Iadsan a Phaigh Iaiu R. Boyd, Lakevale, N. S. Catriona Fhriseal Stellarton, do. Iain Domhnullach, Pinkie Town, do. (25c.) N. & T. MacFhionghain, Forest Hill, E. P. I. 50c Callum Mac-a-Phearsain, Kinross, do. Aonghas I. Moireastan, Launching, do. Uisdean Mac-a-Phi, Souris, do. 25c. Tormoid Moireastan, Peueril, Que. Murcha Mac Rath, Ottawa, Ont. Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba. Andra Mac Gille-Chriosd, Burnbank, do. Alasdair L. Gillios, Lincoln, Mass. An t-Urr. P. R. Cunningham, St. Paul Minn. A. MacCoinnich, Meinn Victoria, C. B. R. Dughallach, Margaree, do. Ailein Mac Gill-fhaolain, do. S. W. Iain U. Mac Isaic, Amhuinn Bourgeois do. Iain Domhnullach, Ceap Nòr, do. Anna B. Nic Leoid, Framboise, do, Catriona Mhoireastan, North Gut, St. Ann’s Aonghas Mathanach, Ruairidh Mac Néill, Glace Bay. Eilidh Dhomhnullach, Amhuinn Dhennis. Uilleam Domhnullach, Drochaid Mhira. A. D. Domhnullach, Stirling. Callum Gillios, Iron Mines. Seumas Mac Leoid, Point Bevis. Iain MacCoinnich, Amhuinn Tuath, St. Ann’s Curstidh B. Dhomhnullach, do. (50c.) Curstidh Dhomhnullach) do. do. Seonaid Ros, Baigh Bhaddeck, (50c.) Iain Mac Ille-mhaoil, Acarsaid Mhor. Tormoid Buchanan, Cnoc Mor, St. Ann’s. Deórsa Mac Neacail, Beaver Cove. A. Mac-an-t-Saoir, Loch Ghabarus, (50c.) Fear a’ Phosta, ’sa Bhai ’n Ear. Uisdean Mac Cuish, Cow Bay. Ailein Camaran, Amhuinn Dhennis. Iain Gillios, Sidni. An t-Onarach Iain Mac Neill, Mabou. BAIS Aig Amhuinn Shidni, air an treas latha fichead de Desember, Bessie M., nighean ghradhach Eachuinn Mhic Fhionghain, da bhliadhna ’s tri miosan a dh’ aois. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 206] [Vol. 3. No. 26. p. 6] RIDIRE GHRIANAIG. Bha aig Ridire Ghrianaig triùir nighean nach robh an leithid ri fhaotainn no ri fhaicinn an àite sa bith. Thainig béisd bho ’n chuan ’s thug i leath’ iad, ’s cha robh fios ’d é an rathad a ghabh iad, no c’àite an rachteadh g’ an iarraidh. Bha saighdear anns a’ bhaile, ’s bha triùir mhac aige, ’s an àm na Nollaig bha iad aig iomain, ’s thuirt am fear a b’ òige gu’n rachadh iad agus gu ’n cuireadh iad bair air léana Ridire Ghrianaig. Thuirt càch nach rachadh, nach biodh an Ridire toilichte gu ’m biodh sid a’ toirt ’n a chuimhne call a chloinne, ’s ag cur duilichinn air. “Biodh sin a roghainn da,” ars Iain, am mac a b’ òige, “ach théid sinn, ’s bheir sinn bair, tha mise coma air son Ridire Ghrianaig biodh e buidheach no diombach.” Chaidh iad a dh-iomain ’s bhuidhinn Iain tri bair air a bhràithrean. Chuir an Ridire cheann a mach air uinneig, ’s chunnaic e iad ag iomain, ’s ghabh e corruich mhòr, gu’n robh a chridhe aon sa bith dol a dh-iomain air a lèana, nì a bha toirt call a chloinne ’n a chuimhne, ’s ag cur mìothlachd air. Thuirt e ri mhnaoi, “Co tha cho mìomhail ’s a bhi ’g iomain air mo ghrùnnd-sa, toirt call mo chloinne ’m chuimhe! Biodh iad air an toirt an so a thiota ’s gu ’n rachadh peanas a dhianamh orra.” Chaidh an triùir ghillean a thoirt an lathair an Ridire, ’s bha iad ’n an gillean gasda. “’D e thug dhuibhie,” ars an Ridire, bhi cho mìomhail ’s dol a dh-iomain air a’ ghrùnnd agamsa, toirt call mo chloinne ’m chuimhne. Feumaidh sibh peanas fhulang air a shon.” “Cha ’n ann mar sin a bhitheas,” ars’ Iain, ach bho ’n a thuit duinne tighinn céarr ort, is fhéarr dhut fàardach de luing a dheanamh dhuinn, agus falbhaidh sinn a dh-iarraidh do nighean; ’s ma tha iad fo’n fhiorach no fo ’n fhuarachd, no fo cheithir rannan ruadh an domhain, gheobh sinne mach iad, mu’n tig ceann latha ’s bliadhna, ’s bheir sinn air an ais iad do Ghrianaig.” “Ged is tu ’s òige, ’s ann ad cheann tha chomhairle ’s fhèarr; bidh sin air a dhianamh dhuibh.” Fhuaradh saoir, ’s an ceann sheachd latha bha ’n long deas. Chuir iad a stigh biadh a’s deoch mar a dh’ fhéumadh iad air son turuis. Thug iad a h-aghaidh ri muir ’s a cùl ri tìr, ’s dh’ fhalbh iad: ’s an seachd latha ràinig iad tràigh gheal ghainbhich, agus ’n uair a chaidh iad air tìr bha sia fir dhiag ag obair an aodunn creige ’g a cur as a chèile. “’D é an t-àite tha so?” ars an sgiobair. “Is e so an t-àite ’s am beil clann Ridire Ghrianaig. Tha iad a’ dol a dhòoadh triùir fhamhairean.” “’D é an dóigh a th’ air faotainn far am beil iad?” “Cha’n ’eil dòigh sa bith ach dol suas ’s a’ chliabh so ri aodann na creige.” Chaidh am mac a bu shine ’s a’ chliabh ’s ’n uair a bha e shuas aig leth na creige, thàinig fitheach géarr, dubh, ’s thòisich e air le ìnean ’s le sgiathan, gus nach mòr nach d’ fhàg e dall, bodhar e. Cho robh aige ach tilleadh air ais. Chaidh an darna fear ’s a’ chliabh, ’s ’n uair a bha e shuas leth an rathaid, thàinig am fitheach géarr, dubh, ’s thòisich e air, ’s cha robh aige ach tilleadh air ais mar a rinn am fear eile. Chaidh Iain mu dheireadh ’s a chliabh. An uair a bha e shuas leth an rathaid thàinig am fitheach géarr, dubh, ’s thoisich e air ’s ghread e e mu’n aodann. “Suas gu clis,” ars’ esan, “mu ’m bi mi dall an so.” Chuireadh suas e gu bràigh na creige. An uair a bha e shuas thàinig am fitheach far an robh e ’s thuirt e ris: “An toir thu dhomh greim tombaca?’ “A dhaor shlaightire, is beag comain a th’ agad orm air son sin a thoirt dut.” “Na biodh umhail agad do sin, bidh mise ’m charaide math dhut. Nise theid thu do thigh an fhamhair mhoir, ’s chi thu nighean an ridire fuaghal, ’s a miaran fliuch le a deòir.’ Ghabh e air aghart gus an d’ ràinig e tigh an fhamhair. Chaidh e stigh. Bha nighean an ridire fuaghal. “’D é thug an so thu?’ ars’ ise. “D é thug thu fhein ann nach fhaodainn-sa tighinn ann!” “Thugadh mise ann gun taing.” “Tha fios agam air sin. C’àite am beil am famhair?” “Tha e ’s a’ bhèinn-sheilg.’ “’D e ’n dòigh a th’ air fhaotainn dachaidh?’ “An t-slabhraidh chomhraig ud a mach a chrathadh; ’s cha’n ’eil e ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, a h-aon a chumas còmhrag ris, ach Iain òg mac an t-saighdeir, à Albainn, ’s cha ’n ’eil e sia bliadhn’ diag a dh-aois, ’s tha e tuilleadh a’s òg gu dol a chòmhraig ris an fhamhair.’ ‘Tha ioma h-aon an Albainn cho laidir ri Iain mac an t-saighdeir ged a bhiodh an saighdeir leis.’ Chaidh e mach. Thug e tarrainn air an t-slabhraidh, ’s cha d’ thug e car aisde, ’s chaidh e air a ghlun. Dh’ éirich e suas, thug e ’n t-ath chrathadh air an t-slabhraidh ’s bhrist e tinne dh’ i. Chual am famhair ’s a bhéinn-sheilg e. ‘Aha!’ ars’ esan, ‘Co a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn, ’s cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag a dh-aois—tha e ro òg fhathast.’ Chuir am famhair an t-sitheann air gad, ’s thàinig, ’s thàinig e dhachaidh. ‘An tusa Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn?’ ‘Cha mhì.’ ‘Co thu ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd no an ceithir rannan ruadh an domhain, a b’ urrainn mo shlabhraidh-sa charachadh, ach Iain óg mac an t-saighdeir à Albainn?’ ‘Tha ioma h-aon an Albainn cho làidir ri Iain og mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.’ ‘Tha sid ’s an fhàisneachd agam-sa.’ ‘Coma leam ’d é tha ’s an fhaisneachd agadsa.’ ‘D é an doigh air am math leat thu fhéin fhiachainn!’ ‘An uair a bhithinn fhin ’s mo mhàthair thair a cheile, ’s a bhiodh toil agam mo thoil fhin fhaotainn, ’s ann an snaimeannan-carachd a bhitheamaid a’ fiachainn; uair a gheobhadh i chuid a b’ fhearr, ’s da uair nach fhaigheadh.’ Rug iad air a chéile, ’s bha gramannan cruaidh aca, ’s chuir am famhair Iain air a ghlùn. ‘Tha mi faicinn,’ ars’ Iain, ‘gur tu ’s treasa.’ ‘Tha fios gur mi,’ ars’ am famhair. Chaidh iad an dàil a chéile rithisd, ’s bha iad ag caradh ’s a’ tarrainn a chéile. Bhuail Iain a chas air an fhamhair ’s an aobrunn, ’s chuir e air slait a dhroma foidhe air an lár e. Ghuidh e gu ’m biodh am fitheach [TD 207] [Vol. 3. No. 26. p. 7] aige. Thainig am fitheach gèarr, dubh, ’s ghabh e do ’n fhamhair ’s an aodunn, ’s mu na cluasan, le ’inean, ’s le sgiathan, gus an do dhall ’s na bhodhair e e. ‘Am beil tarrainn airm agad a bheir an ceann de ’n bhéisd?’ ‘Cha ’n ’eil.’ ‘Cuir do lamh fo m’ sgèith dheis-sa, ’s gheibh thu corc bheag, bhiorach ann, a bhios agam a’ buain nan braonan, ’s thoir an ceann d’ e.’ Chuir e làmh fo bhun sgiath dheas an fhithich ’s fhuair e chorc ann, ’s thug e ’n ceann de ’n fhamhair. ’Nise, Iain, theid thu stigh far am beil nighean mhor Ridire Ghrianaig. Bidh i ’g iarradh ort tilleadh, ’s gun dol na ’s fhaide; ach na toir thusa feairt oirre. Gabh air d’ aghart, ’s ruigidh tu an nighean mheadhanach, ’s bheir thu dhomhsa greim tombaca.’ ‘Bheir mi sin dut gu dearbh, ’s math a choisinn thu e: gheobh thu leth ’s na th’ agam.’ ‘Cha ’n fhaigh gu dearbh; is ioma latha fada gu Bealltainn.’ ‘Nara leigeadh am Fortan gu ’m bi mis’ an so gu Bealltainn.’ ‘Tha fios agad air na tha seachad, ach cha ’n ’eil fios agad air na tha romhad. Faigh uisge blàth, ’s glan thu fhéin ann. Gheobh thu ballan-ìocshlaint os cionn an doruìs, suath ri d’ chraiceann e ’s theirig a laidhe leat fhéin, ’s bidh tu gu slàn, fallain am maireach; ’s am maireach gabhaidh tu air d’ aghart gu tigh na h-ath té.’ Chaidh e stigh ’s rinn e mar a dh’ iarr am fitheach air. Chaidh e a laidhe an oidhche sin, ’s bha e gu slàn, fallain ’s a’ mhadainn, an uair a dh’ éirich e. ‘Is fhéarr dhut tilleadh,’ arsa nìghean mhor an ridire,’ gun dol na ’s fhaide, ’s gun thu fhèin a chur an tuilleadh cunnairt; tha gu leoir de dh-or ’s de dh-airgiod an so, ’s bheir sinn leinn e, ’s tillidh sinn.’ ‘Cha dian mi sin,’ ars’ esan, ‘gabhaidh mi air m’ aghart.’ Ghabh e air aghart gus an d’ ràinig e an tigh ’s an robh nighean mheadhonach Ridire Ghrianaig. Chaidh e stigh, ’s bha ise ’n a suidhe fuaghal, ’s i caoineadh, ’s a’ miaran fliuch le deoir. ‘’D é thug thusa ’n so!’ ‘’D é thug thu fhéin ann nach fhaodainn-sa tighin ann?’ ‘Thugadh mise gun taing ann.’ ‘Tha fios agam air sin; ach, ’d é chuir a chaoineadh thu?’ (Ri leantuinn.) Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 208] [Vol. 3. No. 26. p. 8] DOMHNULL MAC IAIN DHUINN. Failt air MAC-TALLA! Tha mi a cur ’g ad ionnsuidh ann an so óran a rinneadh le Alasdair Mac ’Ille-mhaoil, no mar theireadh iad ris, Alasdair Mac Eobhain mhic Gilleasbuig mhic Dhomhnull Dhuinn. Thàinig e do’n àite so a Lochaber ’sa bhliadhna 1802. Anns a bhliadhna 1817 tháinig càirdean dha do’n àite so mar an ceudna; am measg fheadhain eile bha Domhnull Mac ’Ille-mhaoil, no air sheòl eile, Domhnull Mac Iain Dhuinn, fear a bha ioma bliadhna na bhrocair ’san t-seann dùthaich, ’sa bha air a chùnntas ’na fhear-gunna a bha ainneamh math. Bha e ’na dhuine eireachdail agus measail ’sa h-uile dòigh. Rinn a charaid an t-òran so dha air a thighinn a nall. Do Charaid Dìleas AONGHAS MAC ’ILLE-MHAOIL. Lagan, Ont. Ach a Dhomhnuil mhic Iain duinn, Cas a dhireadh nam beann, A shiubhal nan allt s’ nan stònghlac, Les a ghunna gun mheang Chuireadh luaidhe neo-cham, Bheireadh fuil air damh seang a chrònain. Ged a bhiodh e na dheann Air an leachdainn ’sa ghleann, Bhiodh do theachdaire teann an tòir air. ’Se bhiodh n’ duil nach robh ann Gin a bhuidhneadh air geall, Rachadh stad air ’s gun taing da dhòchus. Gum bu lionmhor fear cràic Chuir thu laidhe gu làr, ’S nach d’ thug ionnsaidh gu bràth air éiridh, Eadar criochan chinn-tàil, Gleann-a-cuaich ’sa chainn-bhàn San cuid aighean fo phramh ma’n’ déighinn, Bhiodh tu gealaidh le d’ smàig S do bheul ris an làr, Gus am faigheadh tu n’ àite feumadh ’S ’n uair thogadh tu ’n làmh. Sa thairngeadh tu n’ stràc S mi bhiodh cinnteach a bàs mhic éilde. ’Nuair a rachadh tu suas Do choille nam bruach, ’Stric a chuir thu m’ boc ruadh bhò’n leunnaich, ’Se na dhuibh-ruith ’s na ruaig, Dol ri cnocan ma ’n cuairt Dara-tomain a bhuair bho chéil e, Bhiodh tu féin ann an cluain ’Cumail beachd air a chluais Gunna snaipte nam buadh ga gleusadh; ’S ’nuair a shaoil leis dol suas ’S ann a bheireadh tu nuas le chéil iad. Bu tu sealgair a gheoidh A’ s na h-eal air an lon, S’ lach chinn uain ann an reidhlein Eadar Lochan na-sguad, A’ s Bun-chingie nam bruach Far am minig a fhuair thu treud diubh, Eadar Eilein an fheidh Garbh-choill a bhuic leith, Far ’m bu lughor do cheum gam buannachd Nuair a ghabhadh tu steidh ’M Bad-an-t’seabhaig fon ghrein Bhiodh na mnathan lan foisd le d’ chnuasachd. Bu tu marbahaich ’bric ’bháin Bu chlis saighde air àth, Struth nan puinne nan tàmh nan réidh-uisg Crann de ghiubhsach nam blàr, Air dheagh shnaidheadh ’nad láimh ’S mor-ghath cumhann ri bhàr bu ghèire, Co-dhuibh bheireadh e strác Ris an amhainn no bhàn, Bhiodh do shaighead an àird a chléibh aig ’s tu bu chinntiche làmh, Théid mi ’n urras na càch ’S co e ’s urrainn a ràdh gur breug e. Nàmhaid béist ann an càrn, Cha do dh’ fhiosraich mi ’n àl Na thug barrachd sa chàs ud fèin ort; Bhiodh do ghillean glé thràth Le ’n lothainn nan làimh Ann sa mhadainn man tárainn éiridh. ’S iomadh sionnach le ’n àl Chuir thu dhith anns gach àit, Ni nach urrainn mi ràdh na léirsinn; ’S ged robh peann ann am láimh Chaoidh cha sgriobhainn gu bràth Trian dhe ’n chuir thu gu bàs de cheudan. Bha seòrs eil ann air snàmh ’S bha thu ’n tòir orra ghnàth, Dobhrain-donna s’ bu nàmhaid éisg iad; ’S bu tric bian na seachd càrt Aig mo Dhòmhnull na láimh, ’S càch nan cadal air sgá-nan-éibhlein, Le chuid àbhaig ’s iad dàn Rachadh nimheil an sàs Nach gabhadh cunnart an càs no ’n éiginn. Chinneadh fuil leat gach là An coill an abhuinn nan àrd Dh’ aindeoin buìdseachd na plàigh na geadseachd. Bu lionmhor udlaiche mòr Dh’ fhàg thu ’Dhomhnuill gun deò, Eadar Glas-leitir ’s Mor-thir gheugaich; Bha thu eòlach gu leòir An Gleann eilge Mhic Leoid, ’S an Gleann-seile nam mòr fhear treubhach; Cloinn ic-rath leat na seòid Bu neo-sgrubail mun bhòrd Dhioladh buideal s’ nach sòradh éirig Luchd do chomuinn gu pòit ’Nám suidhe s’ tigh-òsd S’ bhiodh luchd-fidhle toirt ceòil á teudan. Bha thu measail gu dearbh ’S fhuair thu ’n t’ urram gu sealg, Air na h’urad us dhearbh thu fein e, Liughad coire slios garbh, Beann us bealach us learg Rinn thu shiubhal ma’n d’ fhalbh do spéirid, Adharc us crios ort gun chearb Fuise fhada bheòil mheanbh, Chuireadh guineach fo chalg an creubhaig, ’S cha téid dichuimhn’ air t’ aimn, Ann an iar-àrd na h’ Alb’ Fhad sa mhaireas fir fhalbhas sléibh ann. Nis bho ’n thainig thu nall Air long bhallach nan crann Do Chanada nam Frangach thréine, ’S mor do mhulad s’ cha ghann, ’Smaointinn àbhachd nam beann ’S air na fhuair thu ’s gach àm ’gan reidhlein, Ach tha thu nis air fàs mall Tuìsleach lapanach fànn, Ruith cha dean thu le sannt s’ cha leum thu. Ach chunnaic mise thu ’s tu thall, Ullamh ealamh gun taing, ’S grad a dhireadh tu sreang Bheinn-éideann. Chaochail d’ iomhaigh ’s do bhlàth, Chrom do phearsa gu làr, Dh’ fhàg do spiorad, do chàil, s’ do ghéir thu, Tha n’ t-sùil molach air fàs, Chuireadh fradharc gun sgàth Fada ’s goirid bho làimh mar fheumadh, Ach ’sì mo chomhairle an dràst Dhuit bhi cuimhneachadh trath. Air an t’ slighe tha ’n dàn gu lèir dhuinn; Tha thu ’faicinn gach là, Crioch a tighinn air càch, ’S nach teid duine gu brath bho n’ eug as. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. [TD 209] [Vol. 3. No. 27. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 5, 1895. No. 27. NAIDHEACHDAN A NEW ZEALAND. Chaidh soitheach-smùide do ’m b’ ainm “Wairarapa” a bhristeadh air na creagan mu na cladaichean so air an naodhamh latha fichead dhe’n mhios a chaidh seachad (October). Chaidh mu shia fichead ’sa còig a bhàthadh oirre, eadar luchd-turuis us sgioba, agus mu’n àireamh cheudna shàbhaladh. Chailleadh an t-àrd cheannard, Iain Mac-an-Toisich, beagan ùine ’n deigh dhi bhaladh. Bha ’n soitheach fada bhar a cùrsa. Bha ’n oiche dorcha, ceothach, agus chaidh i seachad air an tigh-sholuis aig “Mokohinan,” gun duine dhe na bh’ oirre leus fhaicinn, agus i a ruith àrd a comais, tri mile deug ’s an uair. Bha i air a cuairt à Sidni, ’an Astralia, agus a’ taghall anns na h-uile port timchioll nan dùthchannan so. Cha robh e ach astar-seolaidh ceithir uairean a thìm bho chala baile mor Auckland. Chaidh e air taobh na h-àirde tuath de’n eilein ris an canar “Great Barier,” (Bacadh Mor), àite ’tha fiadhaich, garbh. Mu chairteal na h-uarach an deigh dha’n t-soitheach bualadh, chaidh i air a taobh-mor, agus cha b’ urrainn dh’an t-sluagh greim a chumail oirre. Sguab na tuinn moran dhiubh air falbh dh’an bhith-bhuantachd. Cha b’ urrainn dhaibh ach a dha dhe na bàtaichean a chur am mach: bha càch uile air am bristeadh. Bha feadhain de’n chuideachd a’ gabhail fasgaidh anns na croinn gus an d’ fhuair iad air tir. Bha na bana-stiùbhardan gu treun; a’ toirt criosan-beatha bh’ orra féin do’n chloinn bhig ’s ’g an ceangal umpa. Bha iad a’ brithealadh mar an ceudna do na boirionnaich eile bha air bord, ’s gun iad a’ toirt oidhearp sam bith air iad féin a shàbhaladh. Tha mi duilich gu bheil agam ri innse nach deachaidh a h-aon dhiubh a thearnadh. Buinidh a’ Wairarapa do chuideachd aig a bheil moran eile de shoithichean-smùide. Bha i so mu thomhas da mhile tunna. Tha cuid dhe na soithichean eile moran na’s motha na sin. Bha Iain Mac-an-Toisich, a chailleadh air a’ Wairarapa, ’na dhuine measail agus na dheagh mharaiche, agus bha earbsa mhor aig a chuideachd leis ’m bu leis an soitheach as. Cha d’ rinn e ach eiridh a enslaint beagan ùine roimhe so a thachairt, agus cha’n eìl teagamh nach do lean tuaineal ris a chuir car air aimhreit e. Rugadh e ’am Bail’-a-Chaimbeulaich ann an Siorramachd Earra-Ghàidheal. Bha e mu dha fhichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bhruidhneadh e a’ Gháilig gu math: ’s ann innte chuireadh e fàilte air a chàirdean Gàidhealach. Chuir a bhàs cianail mulad mor air a luchd-eolais uile. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, Nov. 29, ’94. IAIN GLAS. Bha Iain Glas, Morair a Bhealaich, ’n a dhuine ro sheolta agus ro chuilbheirteach. ’S ann gle ainmig a dheanadh e mearachd ann an ni sam bith anns an cuireadh e ’laimh. Le faicil agus geur-thuigse air nadar na muinntir ris an robh e roinn, bheireadh e air gach ni tachairt mar bu mhiann leis; air an aobhair sin bha sluagh na duthcha ’creidsinn gu ’n robh buidseachd aige; a’s cha chuireadh iad diumb air, ni mo dhiultadh iad e. Bha a chuid daoine ’creidsinn gu ’m b’ urrainn d’ a an gleidheadh bho gach cunnart. Tha ’n sgeul a leanas air ’aithris mar dhearbhadh air a thapachd:— Bha fearg air Iain Glas ris an Iarla Chatach, agus chuir e roimhe creach a thogail uaithe. Thug e ordugh do chuid dhaoine a bhi cruinn air latha araid aig Fionnlairig. Chruinnich na fir bho gach gleann mar a dh’ iarradh orra. An sin ghabh Iain Ghlas doigh air na daoine ’bu thapaìdhe a thaghadh airson na seirbhis a bha ’n a bheachd. Chaidh breacan a chrochadh eadar dithis dhiubh gus an robh an oir a ’beantainn do ’n lár. Gach fear a leumadh thairis air a’ bhreacan mar so fo lan armachd chuireadh air leth e airson dol do Chataobh. Leum tri cheud fear thairis air a’ bhreacan; agus on sin dh’ ordaich Iain Glas biadh a chur air beulaobh nam fear mu ’n gabhadh iad an turus. Am measg nam biadh bha mios bhrochain, agus chaidh iarraidh air gach neach ol aisde. Thuig na daoine gu ’n do chuir e giseagan anns a’ bhrochan, agus dh’ òl iad an sath dheth. Chaidh iad air an turus. Thug iad creach mhor leo bho na Cataich gun aon duine chall ’N uair a bha iad a’ pilltinn dachaidh dh’ fhas fear de na fir gu tinn us dh’ eug e. Cha do ghabh an duine so de ’n mheis bhrochain mu ’n d’ fhalbh iad, oir bha e aig an tigh a’ toirt leis ni-eigin a dhi-chuimhnich e. Le so bha cach an lan bharail gur h-i a ’bhuaidh a bha ’s a’ bhrochan a chum iadsan bho gach olc a’s aimhleas.—An Gaidheal. A charaid, mu’n iarr thu comain air neach sam bith eile, thoir na tri nithe a leanas fainear. An toiseach, an urrainn duit a sheachnadh? A ris, am bheil o comasach do ’n ti air am bheil thu ’dol g’a iarraidh thoirt seachad? Agus ’s an treas aite, an deanadh tusa air son do charaid, na’m biodh e ’n ad aite-sa, a’ cheart ni sin a tha thu mar chomain ag iarraidh airsan? Uime sin, smuainich air na nithibh so, agus feodaidh e bhi gu’n atharraich thu do bharail. Cherokee Vermifuge air son nam biastan Thainig dotair ùg do’n b’ ainm Paygant ri bheatha ann an tigh ósda ann a Halifax oidhche Chiaduinn. Ghabh e deoch phuinnseanta ’s cha robh e beò ach mu fhichead mionaid. Minard’s Family Pills, glan, fallain. [TD 210] [Vol. 3. No. 27. p. 2] AN TEINE MOR. (Will ’o the Wisp.) Oraid a sgriobhadh do Chomunn Gailig Inbhirnis, mu’n am so an uiridh Le IAIN. Is e so an t-ainm a th’ aig muinntir Bheinn-a-bhaoghla agus dhà Uidhist air an t-solus a bhiodh cuid dhe’n t-sluagh a’ faicinn ré na h-oidhche ann an àiteachan uaigneach, iosal air feadh na dùthcha. Anns an Eilean Sgiathanach, is e, “An Teine Biorach,” a theireadh iad ris. Ma bha gus nach robh an solus iongantach so ri’ fhaicinn air feadh na Gaidhealtachd gu lèir cha’n urrainn domh a ràdh. Cha’n ’eil teagamh sam bith nach robh iomadh neach a’ faicinn “An Teine Mhòir.” Faodaidh cuid a bhith ’g ràdh nach robh a leithid de ni riamh ann; ach feumaidh mi fhein a ràdh, nach urrainn domh gun a bhith ’creidsinn, gu robh mòran de’n t-sluagh, araon sean is òg, a’ faicinn an t-soluis ris an canadh iad, “An Teine Mòr.” Fad fhichead bliadhna bha an solus so ri ’fhaicinn aig amannan àraidh de’n bhliadhna. A réir barail àrd-luchd-fóghluim, is e meall de’n ni ris an abrar “fosforus,” a bh’ ann. Cha do gabh mise os làimh ach cunntas a thoirt seachad air an t-solus a bha daoine a’ faicinn, agus air a’ bharail a bh’ aca mu thimchioll ciod a b’ aobhar do’n t-solus, agus air an aobhar sin cha gabh mi gnothach ri barail àrd-luchd-fòghlum. Theid àrd-luchd-fòghlum, air uairibh, a cheart cho fada cearr ri daoine eile, no ni ’s fhaide. Air mo shon fhein dheth, ged a dh’ èisdeas mi ris na their iad, agus ged a bheir mi geill do chuid de na beachdan a tha iad ag àrach mu thimchioll mòran nithean, cha’n urrainn domh geill a thoirt do’n cuid bheachdan gu léir. Cha robh an solus ris an abradh iad, “An Teine Mòr,” ri’ fhaicinn, mar bu trice, ach o mheadhon an fhoghair gu meadhon an earraich. Cha’n fhacas riamh e ach an uair a bhiodh an oidhche dorcha agus ceò is uisge ann. Tha ’chùis coltach nach b’ urrainn da cur suas le solus na gealaich, no le fuachd an reothaidh, no le sìde tioram sam bith. Cha mhò na sin a sheasadh e ri stoirm. Ach neò-ar-thaing nach deanadh e siubhal gu leòr an oidhche a bhiodh blàth, dorcha, agus a bhiodh a’ ghaoth o’n deas, no o’n iar-dheas, agus a bhiodh uisge min, trom, dlùth, a’ sileadh. Anns an àm mu’m bheil mi a’ sgriobhadh cha robh làinntir ri ’fhaighinn ach ann an taigh ro ainneamh. An uair a bhiodh daoine a falbh air chéilidh, no a’ dol air cheann turuis o bhaile gu baile, nam biodh an oidhche dorcha bheireadh iad leotha àithinne no dhà ann am beul a’ chlobha, no air gobh corrain, mur biodh bior àithinne a b’ fhearr aca, a chum solus a dheanamh dhaibh air an t-slighe. Ach nam biodh “An Teine Mòr” air a chuairt an oidhche sin, bu ghlé thoigh leis a bhith gu math dlùth do’n aithinne theine. Bidh cuimhne agam ri m’ bheò air oidhche àraidh anns a’ gheamhradh o chionn deich bliadhna fichead. An uair a bha sinn ’n ar suidhe mu’n cuairt de’n teine, leum dithis ghillean òga, tapaidh a steach do’n t-seòmar agus an anail an àird a’ chléibh aca. Bha an sùilean gu sgionnadh as an cinn leis an eagal. Shaoil sinn gur ann a bha taigh a’ dol ’na theine, no gu’n do thachair ni eiginn neo-ghnàthaichte anns a’ choimhearsnachd. Ciod a bh’ ann ach so:—bha na gillean a’ falbh air cheilidh, agus àithìnne teine aca. Sùil gu ’n d’ thug fear dhuibh thar a ghuaille chunnaic e “An Teine Mòr” a’ falbh nan cuideachd. Ghlaodh e ri’ chompanach gu robh “An Teine Mòr” air an culaobh. Ghrad thilg iad uatha an t-àithinne teine, agus thùg iad ri bruthach i. Cha do stad iad riamh gus an d’ ràinig iad an taigh againne, agus iad an impis a dhol a cochull an cridhe leis an eagal. Cha ’n ’eil ùine agamsa aig an ám so air cunntas mhion a thoirt seachad air na chuala mi ’nam òige mu’n “Teine Mhòr.” Bhiodh e gu math tric a’ tachairt ri daoine air bogaichean ’s aig feur-lochain, agus mu’n cuairt air na h-òbain ’s air na tràighean a tha cho lionmhor ann am Beinn-a-bhaoghla ’s an dà Uidhist. Nam biodh fear ’na ònar ag iomradh eathair anns an oidhche dhuibh, dhuirche, thigeadh “An Teine Mòr” gu bog, balbh ’na rathad, agus shuidheadh e gu socrach air sgruig-dheiridh an eathair. Ach cha bu luaithe a bhuaileadh srón an eathair tìr na bheireadh “An Teine Mòr” e fhein as. Chìteadh e a seòladh os cion na mara, agus tarsuinn nan òb ’s nan lochan ’s e cur soills’ as an uisge. Agus an sin rachadh e as an t-sealladh timchioll gob rudha, no dhìreadh e suas ris a’ mhonadh. Ged nach d’ rinn e cron air neach riamh, gidheadh bha eagal an cridhe aig gach neach roimhe, do bhrigh gu robh iad a’ creidsinn nach b’ ann o ni math sam bith a dh’éirich e. Bheir mi a nis cunntas cho gearr ’s is urrainn domh air an dòigh anns an robh, araon Gaidhell na h-Alba agus sluagh na h-Eirionn a’ creidsinn gu’n d’ thàinig “An Teine Mòr” gu bhith air an talamh. Cha robh na Gàidheil riamh air dheireadh air sluagh sam bith eile ann a bhith ’toirt cunntas air na h-aobhair air son gu robh nithean iongantach ri ’m faicinn air an talamh. Mar bu trice cha robh na beachdan a bh’ aca mu nithean iongantach an t-saoghail dad ni bu ghlice no ni b’ amaidiche na na beachdan a bh’ aig sluagh eile an t-saoghail. Tha’ chùis coltach gu robh iad fhein glé riaraichte le’n cuid bheachdan, agus air an aobhar sin, fàgaidh sinn beachdan nan seann daoine còire far an d’ fhuair sinn iad, agus mar a fhuair sinn iad. Ged a tha sinne gu math glic ’nar barail fhein, is docha gu bheil cuid de ar beachdan a cheart cho amaideach ’sa bha am beachdan-san. O chionn corr is dà cheud bliadhna bha an àireamh bu mhò de shluagh na Gàidhealtach air am beathachadh agus air an còmhdachadh le toradh na dùthchadh do’m buineadh iad. Cha robh na marsantan ach glé thearc anns an àm, agus air an aobhar sin, dh’ fheumadh an sluagh cur suas leis na nithean a gheibheadh iad anns an dùthaich. Bhiodh iad aig an àm ud a’ dath le dathan na dùthchadh. Dheanadh iad dath uaine agus dath buidhe cho briagah ’s a b’ urrainn duine ’fhaicinn le barr an fhraoich. Ann an àiteachan boga ’s a’ mhòintich gheibheadh iad talamh ris an abradh iad, “dubhach.” Is cuimhne leam feadhainn dhe na sluichd as am biodh iad a’ cladhach “na “dubhcha” ’fhaicinn. Is minic a chuala mi mu’n cho-thlamadh a bha seana bhean àraidh a’ deanamh uair dha’n robh ’n saaghal. So na dathan a bh’ ann:—“Dubh na dubhcha ciar na caorach is glas aotrom is glas trom.” Tha e air aithris gu robh sluagh nan Eileanan an Iar déidheil air dathan dearga. An uair a bhiodh na marsantan-paca san àm a dh’ fhalbh a’ siubhal air feadh na Gaidhealtachd bu ghnáth leotha bhith reic dhathan dearga, mar a tha “càrnaid” agus “màdar.” Bha aon ni ri ’fhaotainn [TD 211] [Vol. 3. No. 27. p. 3] anns an dùthaich a dheanabh dath dearg, agus b’ e sin, “rùdh.” Is e freumhan feair a th’ anns an “rùdh.” Cha’n fhaighear e ach ann am bruthaichean tiorma gaineamhaich. Bhiodh mnathan a’ dol a bhuain an “rùidh” anns an oidhche air eagal gu faigheadh am maor, no h-aon sam bith eile de’n luchd-riaghlaidh fios air. Tha e coltach gu robh an t-uachdaran fada an aghaidh a bith buain an “rùidh,” do bhrìgh gu robh mòran de’n mhachaire thioram air a chladhach an àm a bhith ’ga bhuain, agus gu robh mòran de ghaineamhaich thiorain nam bruthaichean air a siapadh air feadh a’ mhachaire an uair a thigeadh tiormachd an earraich. Bha tuathanach ann am Beinn-a-bhaoghla ris an abradh iad gu cumanta, “Callum Sagart.” B’ ann de Chloinn ’ic Carmaic a bha Callum Sagart a thaobh cinnidh. Bu mhath a b’ aithne dhomhsa ogha dha—Iain mac Aonghais ’ic Callum Shagairt. Cha chuala mi an t-aobhar air son an d’ thugadh “Callum Sagart” mar fhar-ainm air. Ach ma thachair gu robh e air mhuinntireas aig sagart, bhiodh e nàdurra gu’n canadh iad, “Callum an t-Sagairt,” ris. An sin thigeadh an t-ainm gu bhith mar a chuala mi e. Tha e coltach gu robh Callum Sagart ’na dhuine cho modhail ’s cho iomchuidh ’s a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Ach a réir mar a chuala mi, is ann aige a bha an aon bhean bu mhiosa a bh’ ann an Uidhist. Is e baobh a bh’ innte. Tha e air a ràdh, ma gheibh baobh a guidhe nach fhaigh a h-anam tròcair. A reir choltais gu’n d’ fhuair bean Challum Shagairt a guidhe aon uair co dhiubh. Bha nighean aig Callum Sagart a bha, mar a thachair a dh’ iomadh té roimpe ’s na déigh, an geall air dathan annasach a bhith anns an aodach aice. Chuir i roimpe gu rachadh i bhuain rùidh gu snàth no clòidh a dhath. Cha’n fhaodadh i a dhol g’a bhuain air an latha, air eagal gu’n tugteadh suas do’n mhaor i; agus a chum a’ chùis a chumail cho falachaidh ’sa ghabhadh deanamh, chuir i roimpe gu rachadh i g’a bhuain air oidhche Luin-Domhnaich, e is sin ri ràdh, an deigh da uair dheug oidhche Dhomhnaich. Bha a màthair anabarrach fada an aghaidh dhi a dhol a bhuain an “rùidh;” ach cha d’ thugadh an nighean cluas no geill a dh’ aon fhacal a theireadh a mathair rithe. Ma bha a mathair ’na baoibh tha e coltach gu robh an nighean a cheart cho rag ris a’ mhac-mhollachd. O’n a chuir i roimpe falbh a bhuain an “rùidh,” dh’ fhalbhadh i ged a rachadh am muir h-ear thar a’ mhuir h-iar. An uair a chunnaic a màthair i a’ dol a mach air an dorus, thuirt i, “Tha thu nis a’ falbh agus mollachd do mhàthar air do cheann. Nam bu d’ thig an là a chithear aghaidh do bhonn.’ Tha’ chùis coltach gu’n d’ fhuair a màthair a guidhe; oir cha d’ fhuaras beó no marbh nighean Challum Shagairt riamh, aon chuid air muir no air tìr. Ach an uair a thugadh dùil thairis nach robh i ’tighinn dhachaidh, dh’ fhalbh na càirdean agus na coimhearsnaich g’a marbh-iarraidh, agus fhuair iad pàirt de h-aodach air a’ mhachair far an robh i ’buain an rùidh. An ceann beagan ùine an déigh dha so tachairt, chunnacas an solus ris un abrar, “An Teine Mòr.” A réir choltais gu’n do chreid gach neach a chuala mar a thachair, gun d’ fhuair bean Challum Shagairt a guidhe, agus gu’m b’ i nighean Challum Shagairt “An Teine Mòr.” Faodar ainmeachadh gu robh mòran de’n mhuinntir a bha ’faicinn “An Teine Mhóir” ag ràdh gu robh iad ’ga shamhlachadh ri teine ann an cliabh. Bha so a’ toirt orra fhèin agus air mòran a bharrachd orra a bhith’ creidsinn gur h-ann an com nighean Challum Shagairt a bha ’n teine. Bha iad mar an ceudna a’ creidsinn gu robh i gu bhith siubhal air an talamh gu latha ’bhreitheanais; araon a chionn gu robh i fhein cho dìorrasach, agus a chionn gn’n d’ rinn a mathair droch ghuidhe dhi. (Ri leantuinn.) Leighisoadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. [TD 212] [Vol. 3. No. 27. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 5, 1895. Rainig am “Blenheim” acarsaid Halifax aig meadhon-latha Di-màirt, latha na Bliadhn’ Uire. Bha corp Shir Iain Thompsoin air a chur gu tir mu dha uair feasgar. Bha ’n latha fliuch, fuar, ach bha na sràidean ’s na laimhrigean air an domhlachadh le sluagh. Bha Gunnaichean-mòra ’g an losgadh an ceann gach mionaid aon uair ’s gu’n d’ tháinig an soitheach-cogaidh am fiannis, Bha ’n giùlain air a thoirt gu Eaglais St. Mary’s, far an robh e gu àm an tòrraidh, Dior-daoin Bha ’n tònadh cho riomhach ’s cho greadhnachail ’sa ghabhadh e deanamh. Bidh sùil againn cùnutas na’s fhearr a thoirt air san ath àireamh. Tha litrichean a thàinig as an Tuirc o chionn ghoirid ag innse nach robh breug sam bith anns na sgeòil a bha sinn a’ chuinntinn a thaobh an sgrios a rinn na Turcaich ann an Armenia. S ann tha ’n sgeul a tha tighinn an dràsda cheart cho dona no na’s miosa na cheud té. Tha e air a mheas gu robh mu chòig mile deug pearsa air an cur gu bás, agus sin air gach dòigh bu bhrùideile na chéile. Ann an aon àite lion na saighdraran eaglais le mnathan s le nigheanan òga, agus mhort iad a h-uile h-aon dhiubh. Bha ’n àireamh cho mor ’s gu robh ’n fhuil a sruthadh a mach air an dorus. Bha coig bailtean deug air fhichead air am fàsachadh, an sluagh air am marbhadh, ’s na taighean air an losgadh. ’Nuair bhios na Gàidheil a’ deanamh gàirdeachas ris a Bhliadhn’ Uir, agus a’ cur rompa moran de nithean matha chur an gniomh mu’n tig crioch oirre, tha sinn an dochas nach dean iad dearmad air Mac-Talla. ’S e an aon chuspair a tha feuchainn ri ’n cainnt a chumail suas air an taobh so dhe ’n chuan mhor, agus nach còir dhaibh a dhol an guaillibh a chéile agus a chuideachadh? Tha dòchas againn gu’n dean iad sin, agus ma ni, thig adhartas mor air a Mhac-Talla mu’n ruig e Bliadhn’ Ur eile. Co-luath ’sa chuireas luchd na Gàilig ’nar comas e, fidh am paipear air a mheudachadh. An toir iad an comas sin dhuinn? SLISEAG A’ BRUIDHINN. Tha an Soisgeulaiche, Iain Williams, ’n a leabhar, “Missionary Enterprises,” ag innseadh, air dha bhi ’g obair air togail bàta gu ’n do dhi-chuimhnich e air latha araidh a’ chearnag (square) a thoirt leis gu ’aite oibre. Ghairm e air duine dubh easgaidh, furachail, agus thug e dha sliseag air an do sgriobh e ciod a bha dhith air ’s thuirt e ris dol le sin gu bean an t-Soisgeulaiche. Sheall an duine bochd air le tarcuis ag radh, “Nach meas i gur fior amadan mi a’ dol ’g a h-ionnsaidh le sliseig?” “Cha mheas, cha mheas, tha an t-sliseag gu innseadh ciod a tha dhith orm.” ‘Cha ’n ’eil beul no cainnt aice, ’s cia mar a dh’ innseas i sin?’ ‘Bi ’falbh,’ ars’ an Soisgeulaiche, ‘agus greas ort.’ ‘Agus ciod a their mi rithe?’ ‘Cha ruig thu leis diog a radh, ach an t-sliseag a shineadh dhi.’ Dh’ fhalbh an duine dubh agus thug e an t-sliseag a dh-ionnsaidh bean an t-Soisgeulaiche. An uair a sheall i air an t-sliseig, thilg i air an urlar i; dh’ fhosgail i a’ chiste-acf’huinn, agus thug i dha a’ chearnag. ‘Cia mar,’ ars’ esan, ‘a tha fhios agus gur e sin a tha dhìth air?’ ‘Dh’ innis an t-sliseag e,’ ars’ ise, ‘Ma ta,’ ars’ esan, ‘bha mise ag eisdeachd gu furachail ’s cha chuala mi i ag radh smid.’ ‘Ach chuala mise i, agus bi ’falbh; tha e ga d’ fheitheamh.’ Thog e leis an t-sliseag agus chum e suas ’n a laimh i fein ’s a’ chearnag, a’ glaodhaich ris gach neach a choinnicheadh e, ‘Faicibh gliocas nan daoine geala, bheir iad air na sliseagan labhairt agus an gnothaichean innseadh!’ Fhuair e sreang agus chroch e an t-sliseag m’ a mhuineal, ’g a giùlan car uine fhada, agus ’g a nochdadh mar an t-ioghnadh a bu mhò air an cual’ e riabh iomradh. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sid. C. B., Nov. 9, ’94 D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 213] [Vol. 3. No. 27. p. 5] NAIDHEACHDAN. Rinn a Bhan-righ ridire de Mr. Mac Coinnich Bowell, priomhair ùr Chanada. Theirear ris a nise, Sir Mac Coinnich Bowell. Tha ’n t-Urr. Mr. Forbes, ministeir St. Andrews gle thinn air an t-seachdain so. Tha sinn an dòchas gu’m bi e ’na shlàinte abhaistich ’an uine ghoirid. Tha ’n gille beag (Mac-Leoid) anns an deach am peilear air an t-seachdain s’a chaidh air a dhol gu math am feabhas. Tha na dotairean ag ràdh nach bi dad air an ùine ghoirid. Chaidh soitheach-seòlaidh a mhuinntir Eilein a Phrionnsa a bhristeadh air cladach Bhroad Cove Di-luain roimh Latha Nollaig. Bha i air a turus eadar Alberton us St. John’s, Newfoundland, le luchd buntàta ’s coirce. Tha e coltach gu’m bi i air a call gu buileach. ’Se b’ainm dhi “Swift Current.” Oidhche Nollaig, thug coithional Strath-lorne, còt-uachdair béin do’n Urr. Domhnull Domhnullach, am ministear aca, agus sporan airgid d’a mhnaoi. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil Mr. Domhnullach a’ faighinn air adhart gu math anns a choithional, agus gu bheil an sluagh glé riaraichte leis, mar is math a dh’ fhaodas iad. Bha cruinneachadh aca ann a’ Hogamah oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, air son airgiod a chur cruinn gus clag a cheannach dh’an eaglais. Bha cuirm de nithean matha aca ’n toiseach, agus ’an sin bha òraidean, órain, agus ceòl aca. Chuireadh am feasgar seachad gu cridheil, agus thug iad a stigh mu tri fichead dolair ’sa deich. Chaidh fear Albert Ball, a mhuinntir Ball’s Creek, a scàldadh gu dona an la roimhe. Bha e stigh leis fhéin aig an àm, agus tha e coltach gu’n d’ thàinig laigs’ air, agus gu’n do ghreimich e air coire bha air an teine gus a chumail bho thuiteam ’s gu’n do dhòirt an t-uisge goileach air. Bha e cho dona, ’s gu’m b’ fheudar a chur air falbh dh’ an ospidal. Rinn bàs Iompaire Ruisia feum dhaibhsan a bh’ anns na priosain. ’Nuair thainìg an t-Iompair’ òg air a chrùn, thug e an saorsa do mhoran dhiubh, agus lughdaich e na peanasan a bha air an cur air moran eile. Tha còrr us fichead mile duine anns an Iompaireachd a fhuair faochadh mar sin. Tha àireamh gun rian ann am priosain na dùthcha sin. Gheibhear ainmean na muinntir a phàigh gu Bliadhn’ Ur ann an àit eile. Cha chuir sinn ainmean na feadhnach a phàigheas ré a mhios so gu toiseach an ath mhios, feuch co meud a bhios ann. Deanadh ar càirdean an dichioll air an àireamh a bhi cho mor ’sa ghabhas deanamh. Gach aon nach do phàigh fhathast, cuireadh e ainm fhéin ris au àireamh, agus gach aon a rinn an dleasnas sin cheana, feuchadh e ri toit air cud-eigin eile ’ainm a chur ann. Bha dithis dhaoine ’gearradh coille aig Oxford, N. S., aon la air an t-seachdain s’a chaidh agus fhuair iad garaidh mathain. Loisg iad a stigh air agus mharbh iad e. Fhuair iad tri dolair fhichead air an t-seiche. Tha ’n amhach-ghoirt a deanamh sgrios uamhasach ann an Wesley, baile beag a tha ann am Manitoba. Air a mhios a dh’fhalbh, chaochail da fhichead ’sa ceithir deug leatha, agus ann am baile beag eile, tri mile ’n iar air Wesley, chaochail tri fichead sa sia anns an ùine cheudna. Cha’n eil dotair no fear-sgil sam bith ann am fear seach fear dhiubh, ’s cha ’n eil dóigh aig an t-sluagh air casg a chur air an euslaint. Bha fear Arsenault, tuathanach ann an Eilean a Phrionnsa, a falbh gu tiodhlacadh a mhic, an la roimhe agus air dha bhi ’coiseachd ri taobh a charbaid, ghearain e gu robh e ’fàs lag, agus chaidh e stigh dh’ an charbad. Cha robh e ann ach beagan mhionaidean ’nuair a chaochail e. Chaochail a bhean o chionn mios, agus nighean dha mios roimhe sin. Bha mar sin na ceithir bàis ’san aon teagheach an taobh stigh de dha mhios. Chuireadh latha na Bliadhn’ Uire seachad ann an so mar a chuireadh seachad latha Nollaig, gach duine ’na thigh fhéin. ’Se bu choireach ri sin nach robh moran toileachaidh ann a bhi ’dol a mach, Shil dha no tri dh’ òirlich de shneachda oidhche Di-luain ach sa mhaduinn thòisich e ri leaghadh, agus mu’n d’ thàinig am feasgar bha na sràidean nan eabar, sneachda ’s poll am measg a chéile. Shil deàrsach mhor uisge air an oidhche. Cha ’n eil cùisean a’ dol dad na’s fhearr ann an Newfoundland. Chaidh an Riaghladh an urras air airgiod-paipear nam bancaichean a bhrist; gheall iad gu’m biodh 80c air a phàigheadh air a h-uile dolair a bhuineadh do fhear dhiubh, agus 20c dhe gach dolair a bhuineadh do’n fhear eile. Cha’n eil an sluagh idir toilichte le so, agus tha iad a cur rompa gu’n toir iad orra na h-uile sgillinn a phàigheadh. Cha mhor gu bheil airgiod ri fhaotainn ’san dùthaich idir, agus tha ’n sluagh air an ceangal gu mor as aonais. Iadsan a Phaigh D. K. Mac Gilleain, Berwick, Ont. Fionnladh Caimbeul, Avonmore, do. D. P. Mac Fhionghain, South Finch, do. Domhnull Mac Ille-mhaoil, Priceville, do. Dùghall Mac Gilleain, do. Calum Mac Ille-mhaoil, do. Ailein Mac Gille-bhràth, McPherson, N. S. Domhnull Domhnullach, Ashdale, do. Mor Nic Cuidhein, Brookline, Mass. Iain Mac Suain, Ch’town, P. E. I. (60c) Gilieasbuig Moireastan, Horn’s Road, C. B. An t-Urr. L. I. Mac-a-Phearsain, L’Ardoise A. B. Domhnullach, Meat Cove. Aonghas Mac Fhearghais, Grand River. V. A. Mac Ill-fhaollain, Port Hood. Air son nam biastan—Cherokee Vermifug DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 214] [Vol. 3. No. 27. p. 6] RIDIRE GHRIANAIG. ‘Cha ’n ’eil ach aon oidhche agam gus am feum mi bhi pòsta ris an fhahmair.” ‘C’àite am beil am fhamhair?’ ‘Tha ’s a’ bhéinn-sheilg.’ ‘’D é an dòigh a th’ air fhaotainn dachaidh?’ ‘An t-slabhraidh-chòmhraig sin a mach taobh an tighe a chrathadh, ’s cha ’n ’eil e ’s am fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, na chrathas i, ach Iain òg mac an t-saighdeir a Albainn, ’s tha e ro òg fhathast: cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag dh-aois.’ ‘Tha daoine an Albainn cho làidir ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis’. Chaidh e mach ’s thug e tarrainn air an t-slabhraidh, ’s thuit e air a dha ghlùn. Dh’ èirich e ’s thug e ’n ath tharrainn oirre, ’s bhrist tri tinneachan. Chual am famhair sid ’s a’ bhéinn-sheilg, ‘Ahà!’ ars’ esan, ’s chuìr e an t-sitheann air gad air a ghualainn, ’s thàinig e dhachaigh. ‘Co a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn, ’s tha e ro òg fhathast: cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diaga a dh-aois.’ ‘Tha daoìne an Albainn cho laidir’ ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.’ ‘Tha sid anns an fhaisneachd againne.’ ‘Tha mise coma ’de è tha ’s an fhàisneachd agaibhse.’ ‘’D é an dòigh air am math leat thu fcin fhiachainn?’ ‘Ann an cruaidh ghramannan-carachd.’ Rug iad air a cheile ’s chur am famhair air a dhà ghlùn e. ‘Is leat mo bheatha,’ ars’ Iain, ‘is tù is treasa na mise. Fiachamaid car eile. ‘Dh’ fhiach iad a chéile rithist, ’s bhuail Iain a shail air an fhamhair, ’s an aobrunn, ’s chuir e air slait a dhroma air an làr e. ‘Fhithich, ars’ esan, ‘bu mhath dallanach dhiot a nis.’ Thainig am fitheach, agus dhall a’s bhodhair e am famhair, ag gabhail da le ’ghob, le ’ìnean, ’s le ’sgiathan. ‘Am beil tarrainn airm agad?’ ‘Cha ’n ’eil,’ ‘Cuir do làmh aig bun mo sgéithe deise-sa, ’s gheobh thu ann corc bheag, bhiorach a bhios agam a’ buain nam braonan, ’s thoir an ceann d’ e.’ Chuir e a làmh fo bhun sgiath dheas an fhithich, ’s fhuair e corc ann ’s thug e ’n ceann de ’n fhamhair. ‘Nise théid thu stigh, glanaidh tu fhéin le uisge blàth, gheobh thu am ballán-iochlaint; suathaidh tu riut fhein e, théid thu laidhe, ’s bidh tu gu slan, fallain am màireach. Bidh i so gun taing na ’s seòlta, ’s nas bialaiche na bha an té roimhe, ag iarraidh ort tìlleadh; ach, na toir thusa feairt oirre, ’s bheir thu dhomh-sa gréim tombaca.’ ‘Bheir mi sin, ’s gu dearbh ’s airidh air thu.’ Chaidh e stigh ’s rinn e mar a dh’ iarr am fitheach air, An uair a dh’ éirich e an là’r n-ath mhaireach, bha e gu slàn fallain. ‘Is fhéar dhut tilleadh,’ arsa nighean mheadhonach an Ridirr, ’s gun thu fhéin a chur an tuilleadh cunnairt: tha gu leòr de dh-òr ’s de dh-airgiod an so.’ ‘Cha dian mi sin, gabhaidh mi air m’ aghart.’ Ghabh e air adhart gus an d’ ràinig é gus an tigh anns sn robh nighean bheag an Ridire. Chaidh e stigh, ’s chunnaic e ise fuaghal ’s a miaran fluich le a deòir. “’Dé thug thusa ’n so?’ ‘’D é thug thu fhéin ann nach fhaodainn-sa tighinn ann?’ ‘Thugadh mise ann gun taing.’ ‘Tha fios agam air sin.’ ‘An tu Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn?’ ‘Is mi, c’arson a tha thu caoineadh?’ ‘Cha ’n ’eil de dhàil agam gus am famhair a phòsadh, ach an oidhche so?’ ‘C’àite am beil e?’ ‘Tha e ’s a’ bhèinn-sheilg.’ ‘D é an dòigh a th’ air a thoirt dachaigh?’ ‘An t-slabhraidh-chòmhraig ud a mach a chrathadh.’ Chaidh e mach ’s thug e crathadh oirre, ’s thuit e air a mhàsan. Dh’-éirich e ’s thug e an t-ath chrathadh oirre, ’s bhrist e ceithir tinneachan d’i ’s rinn e toirm, mhòr. Chual am famhair sid ’s a’ bhéinn-sheilg, ’s chuir o an gad sithne air a ghualainn. ‘Co ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa chrathadh, ach Iain óg mac an t-saighdeir à Albainn, ’s ma ’s e th’ ann tha mo dhà bhrathair-sa marbh roimhe so.’ Thainig e dhachaigh ’n a dheann ag cur an talmhainn air chrith roimhe ’s ’n a dheaghaidh! ‘An tù Iain òg mac an t-saighdeir?’ ‘Cha mhi.’ ‘Co ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa chrathadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn ’s tha e, ro òg fhathast: cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag a dh-aois!’ ‘Nach ioma h-aon a tha ’n Albainn cho laidir ri Iain òg mac an t-saighdeir ged a bhiodh an saighdeir leis.’ ‘Cha ’n ’eil e ’s an fhàisneachd againne.’ ‘Coma leam ’d é tha ’s an fhàisneachd agailbhse.’ ‘’D é an dòigh air am math leat d fhiachainn?’ ‘Snaimeannan cruaidhe, carachd.’ Ghlac iad a chèile ’s chuir am famhair air a mhàsan e. ‘Leig as mi, a’s ’s leat mo bheata.’ Rug iad air a cheile rithist, bhuail e shail air an fhamhair ’s an aobrunn ’s leag e e air slait a dhroma air an làr. “Fhithich ghéarr, dhuibh, na ’m bìodh tu ’n so a nis!’ Cha bu luaithe a thuirt e an facal na thàinig am fitheach. Leadair e am famhair mu ’n aodann, ’s mu na sùilean, ’s mu na cluasan, le a ghob, ’s le ’inean, ’s le ’sgiathan. “Am beil tarrainn airm agad!’ “Cha n ’eil.’ “Cuir do làmh fo ’bhun mo sgeithe deise, ’s gheobh thu corc bheag, bhiorach ann a bhios agam a’ buain nam braonan, ’s thoir an ceann de.” Rinn e sid. ‘Nis,’ ars’ am fitheach, “gabh fois mar a rinn thu ’n raoir; ’s as uair a thilleas tu le triuir nighean an Ridire gu bearradh na creige, theid thu fhéin sios an toiseach, ’s theid iadsan sios ad dheaghaidh, ’s bheir thu dhòmhsa grein tombaca. ‘Bheir gu dearbh, ’s math is airidh air thu: so dhut air fad e,” ‘Cha ghabh mi ach greim, is ioma latha fada gu Bealltainn: tha fhios agad ’d é tha as do dheaghaidh ach cha’n ’eil fhios agad ’d é tha romhad.’ [TD 215] [Vol. 3. No. 27. p. 7] An là ’r na-mhaireach chuir iad an ordugh asailean, ’s chuir iad air am muin an t-òr ’s an t-airgiod a bh’ aig na famhairean, ’s rainig e fein agus triuir nighean an Ridire bearradh na creige. An uair a rainig iad bearradh na créige, an earalas gu ’n tachradh tapadh-cion do ghin de na nigheanan, chuir e sios iad, te an deigh te, anns a’ chliabh, Bha tri ceapan oir orra air an deanamh suas gu gasda le daoimein—ceapan a rineadh anns an Roimh, ’s nach robh an leithidean r’ a fhaotainn anns an domhan. Ghleidh e ’bhos an ceap a bh’ air an te a b’ oige; bha e ’feitheamh, ’s a feitheamh, ’s ged a bhiodh e ’feitheamh fathast, cha tigeadh an cliabh a nios g’ a iarraidh. Chaidh cach air bord, s air falbh ghabh lad, gus an d’ rainig, iad Grianaig. Bha easn air ’fhagail an siod, ’s gun doigh aige air faotainn as an aite. Thainig am fitheach far an robh e. “Cha do ghabh thu mo chomhairle.” “Cha do ghabh; na ’n gabhadh cha bhithinn mar a tha mi.” Cha ’n ’eil atharrach air, Iain; an t-aon nach gabh comhairle gabhaidh e comhrag. Bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir.” “Ruigidh tu tigh an fhamhair agus fanaidh tu ann an nochd.” “Nach fan thu fein leam a chur dhiom mo chianalais.” “Cha ’n fhan; cha fhreagair e dhomh.’ An la ’r na-mhaireach thainig am fitheach far an robh e “Theid thu nis gu stabull an fhamhair, agus ma bhios tu tapaidh tha steud an sin a ’s coingeis leatha muir no tir, a dlh’ fhaodas do thoir; as na casan so.” Dh’ fhalbh iad comhla, ’s thainig iad’ gus an stabull—stabull cloiche, air a chladhach a stigh ann an creig, agus dorus cloiché ris. Bha’n dorus a’ clapadh gun stad, air ais s’ air aghaidh o mhoch latha gu h-oidhche, ’s o oidhche gu latha ‘Feumaidh thu ’nis faire, ars’ am fitheach, ‘agus cothrom a ghabhail, feuch an dean thu dheth dol a stigh an uair a bhios e fosgailte, gun e ’dheanamh greim ort.’ ‘’S fearr dhuitse fheuchainn an toiseach, o’n a’s tu ’s eolaiche.’ (Ri leantuinn.) An duine a bheireadh achmhasan do’n t-saoghal gu leir bu choir dha fhein a bhi ’n a dhuine do nach b’ urrainn do’n t-saoghal gu leir ach-mhasan a thoirt. Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan [TD 216] [Vol. 3. No. 27. p. 8] Comhairle do ’n Talmach. Le MR. SEUMAS MAO-GRIOGAIR, D. D. O! ’s a Thalmaich, a ghraidhein, Gur ro aite leam slan thu, Bha do chridhe dhomh cairdeach ’s do chomhradh. Thug thu comhairle chaoin domh, Thug thu earail le gaol domh; Gabhaidh m’ anam gu caomhail ri m’ bheo iad. Thug an Tighearn’ a ghras duit, Agus atharrachadh nadair, Thug e sud duit is talannan boidheach. Ach cha d’ rinn e thu foirfe Air talamh na coirbteachd, Uime sin bi a toirmeasg na feola. Gabh-sa comhairle uam-sa, Bheir mi seachad gu suairc i, Ann an eirig na fhuair mi gun sgleo uait. Tuig cuilbheartan Shatain, Gur ro mhiann leis do thaladh Gu bhi ’ciurradh lag ghras na cloinn oga. Gur h-e fear-casaid nam braithrean, Gur toil leis aimhreit nan cairdean, Gun math leis aimhleas da’n gradh is da ’n solas. Thig e ugad mar aingeal, No mar namhaid an aingidh, ’Ghabhail fath ort is am’ gu do leonadh. Gu bhi ’cur amharais fhiat ort Mu luchd-leanmhuinn na diadhachd, Is gu iad-s’ a chur dian air do thorachd-s’, Their e riut-sa gu sgaìrteil Gur tu fear-seasamh a cheartais, ’S gu bheil iad-s’ ann an clais taobh an ròide. Their e riu-san ga seangant Gu bheil thusa ’nad chealgair, Nach h-’eil do choireannan ainmic ’s gur mor iad. Theid an sin bhur da ardan A chogadh dian ann sna blaraibh; ’Seo a chosnas ach namhaid bhur solais? ’S miann leis thus’ a chur taire Air do chothrom ’san ait so, ’Se ’sior mholadh na dh’ fhag thu ’san Eorpa. On tha fios aig an namhaid Nach e idir na dh’ fhag sinn, Ach na th’ againn an drasda ’ni foghnadh. ’S miann leis Eachann is Calldair ’Bhi ’nam fath dhuinn air calldach, Ged nach fheil an nis thall ach an ceo dhiu. Mar b’ e mhiann san t-sean Eaglais Deagh Apollos is Peadar, ’Bhi ’nam milleadh ’san teagasg ’thug Pol daibh. Tha mi grios ort, Gabh curam, Grad fhosgail do shuilean, Seachainn Satan ’sa chuilbheirtean seolta. Gabh an Spiorad gu gradhach O laimh an Athar a ’s airde, ’Chum ’s gun cuir e do ghrasan am moid dhuit. Bi claoidheadh ardain a chridhe, Bi iosal daimheil ’nad shlighe, ’S ruig an tobar gu d’ nigheadh gach lo ann. Na bi togairt gu freanas, Is na h-iarr a bhi dreamach, On is cinnteach gun crean thu gu leoir orr’ Agus cuimhnich gu h-araidh Gun cleachd thu an gradh sin A thug Criosd mar an aithne a’s mo dhuinn. Gradh fad-fhulangach, caomhail Gradh fad-fhaighidneach, faolaidh, Gradh a’s ciataiche smaointean ’s e oirdheirc. Gradh o chreideamh ro dhearbhte, Gradh o chridhe neo-chealgach, Gradh ’bheir umhlachd neo-chearbach gu deonach. Gradh gun fhalachd, gun fharmad, Gradh gun diobradh, gun dearmad, Gradh ro mhin ’s e gun searbhas, gun mhor uaill. ’S na dean an urnaigh a chaomhnadh; Tha mor fheum aig gach aon oirr’, ’S aig an fhear ’tha ’na aodhair gu sonraicht’. Biodh am facal leat priseil, Cuir an cleachd e le dichioll, Bheir e teagasg ro dhileas is seol duit. Bi ’ghnath ro mheasail mu’n t-searmain Is meadhon sonraichte dearbht’ i Gn bhi ’g altrum nan leanaban ’s gam foghlum. Gabh an fhirinn mar theagasg, Is a chaoidh na cuir teagamh Nach sabhail a creideamh fa dheoidh thu. Chaidh fear Raonull Mac Leoid, a mhuinntir an Uillt Mhoir, a mharbhadh, air a 15mh latha de’n mhios a dh’ fhalbh, le craobh a thuiteam air. Bha e féin us feadhainn eile ag obair anns a’ choille, agus thàinig te dhe na craobhan a bha iad a leagadh, gun fhios da, agus bhuail i air mu’n druim, ’ga leònadh cho dona ’s gu’n do chaochail e an ceann cheithir latha. Bha e na dhuine bha riamh fo dheagh chliù, agus bha e glé mheasail aig na h-eòlaiah uile. Cha robh e posd’ idir. Bha stoirm mhor shneachda aca ann an Cuibeic ’san Ontario, ’s anns na Stàitean air an t-seachdain s’a chaidh. A bhos na taobhannan so, cha d’ fhairicheadh i, ach shil frasan troma de dh’uisge. Mur urrainn duit a bhi ann ad abhainn mhoir a’ giulan luingis lan beannachaidh thar an t-saoghail, faodaidh tu a bhi ann ad fhuaran beag ri taobh rathad-mor na beatha a’ seinn gu ceolmhor a latha ’s a dh-oidhche agus a’ toirt cupan de uisge fionnar do ’n fhear-thurais airsnealach, sgith a bhios a’ gabhail seachad. Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach Tha saothair ’n a leagheas ach beag air son gach truaigh. Na bi-sa aonaranach, diomhanach, cianail. Cha d’ thugadh beatha do mhac an duine, gu bhi air a caitheadh ann am bruadaraibh, agus am faoin-smuaintibh, ach air son dichill bheothail, ghniomhaich; seadh, air son dichill a thig chum maith aig a’ cheann thall dhoibh-san uile a chleachdas i. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. [TD 217] [Vol. 3. No. 28. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 12, 1895. No 28. Duanag Ghaoil. Thainig an gille dubh, ’N raoir na blaile-so; ’S trom mo cheum, Oo threig do ghealladh mi. Gur mis tha gu tinn, Le goirteas mo chinn, ’S ged rach mi na chill, Cha phill mo leannan mi. Thaiuig an gille, &c. ’S e m’ ulaidh ’s mo ghràdh, Fear dubh agus bàn; Cha’n innis mi chach, Gu brath, do ghealladh dhomh. Tha ’n gille dubh caol, ’N a laidhe s an fhraoch; ’S a ghunna ri thaobh, B’ e ’n fheudail fhalaich e. ’S tu marbhaich an fheidh, ’S a’ cholich air geig, ’S a’ bhric air on leum ’S gun reibte ’n eala leat. ’N uair lubadh tu ’n glùn, S a chaogadh tu ’n t-sùil; Bhiodh eilid nan stùchd, ’S a cùl ri talamh leat. ’S deirge do ghruaidh Na suidheag nan bruach Thug mise dhuit luaidh Ged ’s cruaidh ar dealachadh. Gur guirme do shùll, Na ’n dearcag fo ’n driùchd: ’S gur finealt’ do ghnuis, No ùr-ros mheanganan. Mo bheannachd ad dhéigh, Ma dh’ fhag thu mi féin; Ach guidheamaid céile, Beusach, banail dhut. BAIS Aig Uisge Fhramboise, air an latha mu dheireadh dhe’n bhliadhna dh’ fhalbh, Mairearad, bean Dhomhnuill ’Ic Fhionghain, mu dha fhichead bliadhna dh’ aois. Dh’ fhàg i teaghlach lag ’na deigh. Aig Loch Lomond, air a mhois a dh’ fhalbh, Gertie Brene, nighean bheag a bha fuireach còmhla ri Coinneach F. Mac Asguill, agus Cairistiona a bhean. Bha i maoi bliadhna ’s seachd miosan a dh’ aois. Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach A’ Ghardhealtachd. Bha stoirm mhòr aca anns a Ghàidhealtachd air an t-seachdain roimh Nollaig a rinn call mòr air muir ’s air tir. Bha tri bàtaichean iasgaich air an call anns a Bhàigh Leathann, ’an Leòghas, agus bha h-uile duine bh’ air bòrd (20) air am bàthadh. Thòisich an stoirm Diordaoin no Di-haoine, agus bha i sior dhol am mothaid gu tràth ’sa mhaduinn Di-sathairne ’nuair a sguir i. Bha na h-iasgairean fad na h-ùine ’feitheamh gus am faigheadh iad cothrom air a dhol am mach, agus ’nuair a dh’ fhàs an t-side ciùin, chuir iad am mach, ach cha robh iad ach gann aig an obair ’nuair a shéid a ghaoth na bu làidire na bha i roimhe, agus chaidh mòran dhe na bátaichean fhuadach air falbh, agus mar a thuirt sinn roimhe bha tri dhiubh air an cur thairis ’s na daoine bh’ annta air an call. Bha tri bàtaichean eile air am bualadh air na creagan, ach gu freiasdalach, fhuair an sgiobachan iad fhéin a thearnadh, B’ iasgairean a h-uile duim chailleadh; bha iad a’ deanamh am beòlaind eadar iasgach us tuathanachas. Bu dhaoine cliùiteach, measail iad uile, agus tha mar a dh’ éirich dhaibh an deigh gruaim a chur air Leoghas ais fad. Cha do thachair ni cho cianail mu chladaichean an Eilein Fhada o chionn deich bliadhna fichead, ’nuair a chailleadh deich duine fichead. Faisg air “Portroy,” bha soitheach air a call agus bhàthadh cóignear. Cha robh an stoirm dad na bu lugha air tir. Ann am Baile-mhàrtuinn, ’an Tirithe, bha ’n Eaglais Shaor, togalach trom iaruinn, air a togail ’s air a tilgeadh dh’an mhuir, tri cheud slat air falbh. Bha carbad a Phosta tha ruith ann am Muile air a thilgeadh thairis leis an stoirm tri uairean agus cha robh ann ach gu’n d’ fhuair am fear a bha falbh leis as le a bheatha. Cherokee Vermifuge air son nam biastan Sean Fhacail. Gunnaiche mor gun srad fhùdair. Gus am faigh thu deoch a’s fhearr na ’m fiom, cha’n fhaigh thu biadh a’s fhearr na ’n fheèil. Gus an tràighir a mhuir le cliabh, cha bhi fear fial falamh. Gleidheadh a chlamhain air na cearcan. Gleidheadh an t-sionnaich air na caoraich. Innsidh ùine ’h-uile rud. Ionnsaich do d’ sheanmhair brochan a dheanamh. ’S àirde tuathanach air a chasan na duin’-uasal air a ghlùinean. ’S aithne do ’n chù a choire fhéin. ’S amaideach a bhi ’cur a mach airgid a cheannach aithreachais. Is ann a bhios a chòir mar a chumar i. Is ann air a shon fhéin a ni ’n cat an cronan. ’S ann air deireadh an latha ’s fhearr na Donallaich. ’S ann an àm a chruadail a dh’ aithnichear na càirdean. ’S ann an ceann bliadhna dh’ ìnnseas iasgair a thuiteamas. ’S ann an uair a’s gainne ’m biadh is coir a roinn. Cha’n uaisle duine na ’cheaird. Cha robh call mor gun bhuinig bhig. Cha robh caraid riamh aig duine bochd. Cha robh bàs fir gnn ghràs fir. Cha robh briagach nach robh bradach. Cha robh duine riamh gun dà latha ach am fear gun lath’ idir. Cha robh thu a’s tigh an uair a chaidh an ciall a roinn. Cha tèid an sionnach na’s fhaide na bheir a chasan e. Minard’s Family Pills, glan, fallain. [TD 218] [Vol. 3. No. 28. p. 2] AN TEINE MOR. (Will ’o the Wisp.) Oraid a sgriobhadh do Chomunn Gailig Inbhirnis, mu’n am so an uiridh. Le IAIN. O’n a bha gach neach aig an àm ud a’ creidsinn gur baobh a bh’ ann am bean Challum Shagairt, agus gur h-ann a chionn gu’n d’ fhuair i a guidhe a bha h-inghean a’ falbh ’na meall teine air feadh na dùthchadh, bha gràin an uilc aca oirre. Tuigidh sinn so o’n cheathramh òrain a leanas:— “Nam biodh Callum Sagart marbh, Dh’ fhalbhamaid le crùisgean; Nam biodh Callum Sagart marbh, ’S e ’chuireadh an sogan oirinn; Nam biodh Callum Sagart marbh, Dh’fhalbhamaid dhachaidh le’r fuighcall Dh’ ionnsuidh na cailliche duibhe; ’Bhean a’s miosa th’ ann an Uidhist; ’S buidhe leam nach leam i.” Nam biodh Callum Sagart marbh &c. Cha’n ’eil air chuimhne agam de’n òran ach so, ged a tha fios agam gu’n cuala mi tuilleadh dhe o chionn corr is dà fhichead bliadhna. A réir mar a chuala mise an uair a bha mi óg, bha “An Teine Mòr” ri’ fhaicinn mar an ceudna ann an Eirinn ’san àm a dh’ fhalbh. B’ ann mar a leanas a bha iad a’ toirt cunntas air mar a thòisich e. O chionn fada ’n t-saoghail bha gobha ’fuireach ann an gleannan uaigneach a th’ ann an aon de choig chòigibh na h-Eirionn. An ceann àireamh bhliadhnachan an deigh dha pòsadh bha teaghlach trom, lag aige. Ged a bha e ’na ghobha cho math ’s a bh’ anns an dùthaich ri ’latha ’s ri’ linn, agus cho dichiollach gu obair ri fear sam bith, bha barrachd ’sa dhiol aige ri ’dheanamh mu’n cumadh e a bhean ’s a chlann ann am biadh agus ann an aodach. Cha bhiodh éis sam bith air fhein no air a theaghlach, nam faigheadh e pailteas obrach ri dheanamh, agus pàigheadh air a shon. Ach gu mi-fhortanach, cha robh an obair, mar bu trice, ach gann; agus cha robh e ’faotainn ach fior bheagan pàighidh air son na bha e’ deanamh a dh’ obair. Bliadhna dhe na bliadhnachan thàinig cùisean cho cruaidh air ’s gu robh eagal air gu faigheadh a chlann am bàs air le cion a’ bhìdh. Rud nach b’ ioghnadh, chuir so’ inntinn glé mhòr troimh a chéile. Ach cha robh an dragh-inntinn so a’ cur ni sam bith ’na rathad a dheanadh feum dha. Thuirt e uair is uair ris fhein, gu’n gabhadh e cuideachadh ged a b’ ann o’n “droch fhear” fhein a gheibheadh e e. Air feasgar anamach àraidh ’s an gobha ag obair anns a’ cheardaich, thàinig coigreach a steach do’n cheardaich agus chuir e fàilte rir a’ ghobha. Thòisich iad ri còmhradh mu chaochladh nithean. Mu dheireadh thuirt an coigreach ris a’ ghobha, “Cha chreid mi fhein nach ’eil do dhiol agad fhein ri dheanamh do bhean agus do chlann a chumail ann am biadh agus ann an aodach ’s na bliadhnaichean cruaidhe a tha ’n so.” “Ma ta tha sin agam, an uair is pailte an obair agus is fhearr am pàigheadh. Ach air a’ bhliadhna so tha’n saoghal air thur a dhol a’m’ aghaidh buileach glan,” ars’ an gobha. “Ciod a bheireadh tu do dh’ fhear a bheireadh dhuit na mhiannaicheadh do chridhe de dh’ òr ’s de dh’ airgiod,” ars’ an coigreach. “Bheireadh rud sam bith a dh’ iarradh e orm, agus a b’ urrainn domh a thoirt dha,” ars’ an gobha. “Ma gheallas tu dhomhsa gu falbh thu comhladh rium bliadhna o màireach, bheir mi dhuit de dh’ òr ’s de dh’ airgiod na chumas tu fhein ’s do theaghlach cho math air bhur dòigh ri bhur beò ri àrd-rìgh na h-Eirionn. So mar a ni mi riut; a h-uile uair a chuireas tu do lamh ’na do phòcaid dheis, bidh i loma-làn òir, agus a h-uile uair a chuireas tu do lamh ann ’na do phòcaid chlì, bidh i làn airgid. Ged a bhiodh tu a’ sior thoirt an òir agus an airgid as do phòcaidean, bidh iad làn a h-uile uair a chuireas tu do lamhan annta. Ach thoir do cheart aire nach cuir thu air ais ’na do phòcaidean aon bhonn a bheir thu asda, ar neo ma chuireas, bidh iad falamh an latha sin,” ars’ an coigreach. “Ach bu mhath leam fios fhaotainn cia mar a dh’éireas dhomh fhéin ma dh’fhalbhas mi comhladh riut. Ged a tha ’n tairgse gu math, ’s tha i sin, tha e cruaidh leam dealachadh ri mo mhnaoi ’s ri m’ chloinn,” ars’ an gobha. “Bidh tu,” ars’ an coigreach, “air an aon charadh rium fhein; agus ma bhios do bhean deonach falbh leamsa uair eiginn ’na dheigh so, faodaidh i sin a dheanamh. Ach cha bi cuid no gnothach agam ri do chuid cloinne gus am bi iad cho sean ’s gu faod iad falbh air an urradh fhein. Ma tha thusa glic gabhaidh [?]gse a tha mise a’ toirt dhut. Cha’n ann a h-uile latha ’gheibh thu ’leithid. Faodaidh tu mu’n d’ thig ceann na bliadhna pailteas a dh’ ór ’s a dh’ airgiod a chur ma seach air son do mhna ’s do chloinne.” Chòrd an tairgse anabarrach math ris a’ ghobha, agus thuirt e ris fhéin gu’n gabhadh e i, agus gu’n gabhadh e an urra ris am àm ri teachd. “Cha’n ’eil fhios cò bhios beò bliadhna o’n diugh. An uair a thig e air mo thòir, cuiridh mi Dia eadar mi ’s e,” ars’ an gobha ris fhein. ’Se a thàinig as a’ chùis gu’n do gheall an gobha gu falbhadh e comhladh ris, nan tugadh e dha an t-òr ’s an t-airgiod mar a gheall e. Bha ausgadh aig a’ ghobha fad na h-ùine a bha ’n coigreach a’ bruidhinn ris nach robh ann ach an “droch-fhear;” agus tiotadh mu ’n d’ fhalbh e as a’ cheardaich thàinig lasag as an teallach, agus thug an gobha an aire gu robh na casan a bh’ air coltach ri ladhran muice. An uair a chaidh e mach air dorus na ceardach chaidh e as an t-sealladh ann am priobadh na sùl. “Is e an droch-fhear a bh’ann gun teagamh sam bith,” ars’ an gobha, “Tha mi’n sàs aige; ach ma chumas e a ghealladh riumsa gu cionn latha ’s bliadhna, ni mi m’ fhortan, agus faodaidh gu’n teid agam air a char a thoirt as an uair a thig e.” Smaoinich an gobha gu ’m bu chòir dha falbh dhachaidh. Bha ’chòta an crochadh air stob ’s a’ cheardaich, agus an uair a thug e lamh air gus a chur uime fhuair e e ni bu truime na b’ abhaist dha bhith. Ciod a b’ iongantaiche leis na pòcaidean a’ chota bhith luma-làn òir is airgid. Bha car de sgáig air roimh ’n òr ’s roimh ’n airgiod, a chionn gur ann o’n “droch fhear” a fhuair e iad; ach thuirt e ris fhein gu’m bu cho math dha feum a dheanamh dhiubh o’n a fhuair e iad. Cha robh fios aige ciod air an t-saoghal an dòigh air am b’ fhearr dha am fortan a thàinig ’na rathad innseadh do’n mhuaoi. Bha eagal air nach biodh i réidh ris, nan innseadh e dhi facal air an fhacal mar a bha eadar e fhein agus an “droch-fhear.” Bha e làn-chinnteach nach biodh i idir toilichte a chionn gu’n do gheall e falbh ’s a fàgail ann an ceann a teaghlaich aig ceann na bliadhna. An uair a bha e greis mhath a’ dol fo ’smaointean mu’n chùis, is e bhuail anns a’ cheann aige, gu’n abradh e ris a mhnaoi [TD 219] [Vol. 3. No. 28. p. 3] an uair a rachadh e dhachaidh, gu’n d’ thàinig coigreach do’n cheardaich, agus gu’n d’ innis e dha gu robh mòran ulaidh an tiodhlacadh fo ùrlar na ceardach, agus an uair a chladhaich e fo’n ùrlar, gu’n d’ fhuair e mar a thuirt an coigreach ris. An uair a chaidh e dhachaidh bha ioghnadh air a mhnaoi ciod a bha ’ga chumail cho fad ’s a’ cheardaich, agus bha i glé ghreannach, frithir ris fhein agus ris o’ chloinn. Cha ruig so a leas a’ bheag a dh’ ioghnadh a chur air neach sam bith; oir cha robh na bhiadhadh am t-isean circe de bhiadh an taobh a staigh de’n dorus aice an oidhche ud. “Biodh misneach mhath agad, a bhean,” ars’ an gobha, “Cha bhi do thaigh oidhche ri do bheò cho falamh ’s a tha e an nochd.” “Cha’n ’eil fhios,” ars’ ise ’s i ’freagairt gu cas, frionasach, “cia mar a bhios sin. Tha mise agus na pàisdean truagha air thuar a bhith bàs co dhiubh, agus cha’n e do chuid-sa dheth dad is fhearr.” “Dean thusa foighidin gus an innis mise mo naigheachd dhut, agus theid mi ’n urras gu’m bi thu toilichte gu leor,” ars’ an gobha: “ach cha’n fhaod mi facal innseadh dhut ann an éisdeachd na cloinne, no ann an éisdeachd neach sam bith eile.” An uair a chuireadh a’ chlann a laidhe thòisich an gobha ri innseadh mu’n ulaidh. “Bha mi,” ars’ esan, “ag obair anns a’ cheardaich ann am beul anamach na h-oidhche, agus thàinig duine àrd, dubh a steach, agus sheas e aig cùl an doruis. Chuir e fàilt’ orm, agus chuir mi fàilt’ air. Thòisich sinn as a sin ri còmhradh mu chaochladh nithean. Mu dheireadh thàinig sinn gu bhith’ còmhradh mu shuidheachadh an t-sluaigh air feadh na dùthchadh. “Cha chreid mi fhein,” ars’ esan, “nach ’eil thu fhein ’s do theaghlach ’g a ruith glé chruaidh ’san àm so.” “Tha gu dearbh,” arsa mise: “nam faighinn mar a dheanainn a dh’ obair agus duais riaghailteach air son mo shaoithreach, cha bhiodh éis bidh no aodaich orm fhein no air mo theaghlach. Ach ciod is urrainn mo leithidsa a dheanamh, ged a tha ceaird agam, an uair nach fhaigh mi obair, no pàigheadh air a son, ged a gheibhinn i.” “Ma ta,” ars’ esan, ’s e ’gam fhreagairt, “is beag a ruigeas tusa leas a bhith ’ga ruith cho cruaidh agus pailteas òir is airgid an tiodhlacadh fo ùrlar na ceardach. Cladhaich fo’n innean, agus gheibh thu am pailteas ann. A h-uile uair a bhios éis ort thoir leat dhachaidh luma-làn do phòcaidean. Na biodh caomhnadh sam bith agad air. Cha teirig na th’ ann dhut ri do bheò.” Agus mar dhearbhadh gu robh e ag innseadh na fìrinn, thug an gobha làn a dhà chròige de’n ór ’s de ’n airgiod as a phòcaidean, agus thug e do’n mhnaoi e. Cha robh fios aig a mhnaoi ciod a theireadh i. Cha’n fhaca i uibhir a dh’ òr ’s a dh’ airgiod còmhladh mu choinneamh a dà shùl riamh roimhe. Thug i taing do’n fhreasdal a chuir a leithid de phailteas ’na làmhan. Cha robh éis air a’ ghobha no air a theaghlach, oir bha pailteas airgid is òir ’na phòcaidean a h-uile latha. Rud nach b’ ioghnadh, chuir e gu leòr ma seach. Is gann a bha àite aige a chumadh na bh’ aige a dh’ òr ’s a dh’ airgiod. Ach cha robh e fhein no ’bhean a’ deanamh ana-caitheamh sam bith air am maoin, air eagal gu’n gabhadh na coimhearsnaich amhrus nach b’ ann air dhòigh cheirt a fhuair iad i. A dh’ aindeoin cho faicleach ’s gu robh iad bha e air aithris am measg an t-sluaigh, gu robh an gobha ann an co-bhainn ris an “droch-fhear.” Cha robh teagamh aig neach sam bith nach robh òr is airgiod tuilleadh is pailt mu làimh a’ ghobha. Thog e taighean ùra. Bha crodh is eich is caoraich aige. Bha airgiod gu math pailt ’na phòcaid aig gach àm; ach cha b’ urrainn duine beò a dheanamh a mach cia mar a bha e ’tighinn cho math air aghart. Bha ’n gobha gu nàdurra ’na dhuine fialaidh. An latha bu chruaidhe a bha’n saoghal riamh air bheireadh e biadh is leaba do dhuine bochd sam bith a thigeadh thun an taighe aige. Neo-ar-thaing nach robh e fialaidh an ùair a bha pailteas airgid an còmhnuidh ’na phòcaid. Thachair dha air feasgar àraid a bhith ’tighinn dhachaidh bhar a thuruis a ceann eile na dùthchadh. An uair a bha e ’dlùthachadh ris an taigh thachair seann duine liath ris. Chuir e fàilte chridheil air an t-seann duine, agus dh’ iarr e air a dhol thun an taighe maille ris. Ghabh an seann duine an cuireadh a fhuair e. Thug an gobha agus a bhean aoidheachd dha an oidhche sin a cheart cho cridheil ’s cho caoimhneil ’s ged a b’ e fear a b’ uaisle a bhiodh anns an dùthaich. An là-iar-na-mháireach an uair a bha ’n seann duine a’ falbh chaidh an gobha maille ris gus a chur thairis air an allt. An uair a bha ’n gobha ’dealachadh ris, thuirt an seann duine, “Air son cho caoimhneil ’s a bha thu rium o’n a thachair thu orm an dé, bheir mi dhuit tri nithean sam bith a dh’ iarras tu orm. Thoir an aire gu ’n iarr thu nithean a ni feum dhut.” (Ri leantuinn.) Air son nam biastan—Cherokee Vermifug. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. [TD 220] [Vol. 3. No. 28. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 12, 1895. A réir a chùnntais mu dheireadh, tha glé fhaisg air còig ceud deug muillein sluaigh air an t-saoghal. Tha còrr us leth na h-áireamh sin anns an Asia leatha fhéin, agus còrr us leth sin a rithist, no ceithir cheud muillein, ann an Sìna. Ged tha an geamhradh so briagha, blàth, cho fad ’sa thàinig e, cha’n eil e ri ’choimeas ri geamhraidhean a chunnaic daoine anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh. Anns a’ bhliadhna 1172, bha ’n aimsir cho blàth ann am Breatuinn ’s gu robh an duilleach air na craobhan ’am mios deireannach a’ gheamhraidh; agus thug na h-éóin a mach linntean ’an ceud mhios an earraich. Anns a’ bhliadhna 1431, bha na craobhan-meas fo bhlàth anns a’ Mhàrt, agus bha na dearcan-fiona abuich mu Bhealltuinn. Anns na bliadhnaichean 1572 agus 1585, bha n aimsir dìreach mar bha i ’sa bhliadhna 1172; bha na craobhan fo dhuilleach ’am mios deireannach a’ gheamhraidh, agus bha na h-iseanan aig na h-eòin ceud mhios an earraich; tha e air a ràdh cuideachd gu robh ’n t-arbhar fo dhèis mu ’n chàisg. Tha sinn a tairgse ioma taing do na cairdein a tha ’cur thugainn pàigheadh a phaipeir, agus a cur fàilte chridheil onasan a tha ’ga ghabhail as ùr. Gu ma fada beò iad uile! Tha sinn an dochas gu’n chuinn sinn bho mhoran eile ’an ùine ghoirid. Ma theid Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chéile cha’n eagal dh’ an Ghàilig, a chainnt a’s fhearr air thalamh. Litir as an Iar-Thuath. Fhir Deasachaidh Ionmhuinn:—Bho’n tha Bhliadhn’ ur a’ tarruinn dlùth, smaointich mi gu robh an t-àm agam an dollair a chur air adhart, rud a tha mi nise deanamh leis a h-uile deagh dhùrachd dh’ an Mhac-Talla, agus ag guidhe soirbheachadh math dha air a’ bhliadhna tha nis aig làimh. Bi mi ’faicinn bho àm gu àm litrichean anns a’ Mhac-Talla as gach cearna, ach cha ’n fhaca mi guth riamh ann as a chuid so dhe ’n t-saoghal, ged tha Gàidheil gu leòr ann. Thàìnig iad uile ach fior theagan à Uidhist ’s tha iad uile gun dith gun deireas ged tha gorta ann an iomadh àite eile. Cha dean mi dad a’s fhearr na beagan rannan air buadhan an àite chur thugaibh. So agaibh iad:— Gun dean mi duan chur suas gun dail Air sgàth na tir tha fiallaidh, An tir tha greannmhor, fonn an àigh, Ged theireadh cach nach b’ fhiach i. Do ghlinn làn lus a’s caoine blàth, Bha t-àird fo bhàrr aig ciadan; Tha meas ’nad phreas maraon ’s air làr, ’S air driùchd ’s am bláths ’gam biathadh. Ma bhios do dhùthaich dhut car fàs, Cuir ort us fàg a criochan, ’S ma bhios tu stuama so ’na thráth, Gu sgur gu brách a riasladh. ’Sioma aon tha anns an àit Dh’ am b’ aithne ’n cás ’s gach miar dhe, A’ tighinn a nall bu ghann an làmh, Ach fhuair iad fàth bhi riararcht’. An sealgair calm’ a dhearbh a làmh, Gu sealg de ’m fáth dha ialaidh? Cha dean fear aran gun an t-àit, S cha ’n fhaigh e ’n t-áit gun iarraidh. Gur lionmhor aon bheir sgeul bhios cearr, Nach fhaic gu bràch na criochan, Air fuachd us teas, ’s mu threubh an àit, ’S gu h-àraid m’a chuid bhiastan. Tha ’smùdan féin á ceann gach fòd, ’S cha’n eòl càs nach fhior e Ma thig ’san t-samhradh greann air la Gu faod sinn tàmh bho shianntan. ’N uair thig an geamhradh teann gun bhàigh Le bhrataich bhàin dh’ ar criochan, Ged bhios an t-àm car gann de bhlàth, Bidh slàint gach là mar riadh leis. ’S ann bhios sinn daonnan air ar cnàmh Mar shearg gu làr na biastan, ’S cho beag ’sa chi sinn dhe chuid nàis ’Tha faoillidh, bàigheil, ciallach. Seumas N, MAC FHIONGHAIN, Earlswood, N. W. T., Dec. 28, ’94 Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC MOR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sid. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 221] [Vol. 3. No. 28. p. 5] NAIDHEACHDAN. Latha roimh la Nollaig, mharbh fear Domhnull Smith, ann an Smithfield, an Guysboro, mathan mor a thomhais coig ceud punnd. Tha ’n t-Urr. Mr. Forbes beagan na’s fhearr, ach tha e tinn gu leòr fhathast. Tha an t-Urr. Mr. Mac Glaisein ri searmonachadh ’na àite am màireach. Chuir ceannaiche ann an Sidni Tuath mile maigheach air falbh gu St. Pierre Di-sathairne s a chaidh. Tha feill mhor air sitheann mhaigheach am measg nam Frangach. Chuir a Mhéinn a Tuath a mach da cheud ’s deich mile fichead tunna guail (230,000) air a bhliadhna s’a chaidh. Rinn i na b’ fhearr na aon sam bith eile de mhéinnein Cheap Breatuinn. Chaidh an soitheach “Saxon” air tir aig Glace Bay feasgar na Sabaid. Thugadh roinn mhòr dhe’n luchd aisde Di-luain, ’s iad ’an dùil gu robh i gu bhi air a brìsteadh, ach an deigh sin fhuaireadh a toirt bhar tire, agus thugadh gu Sidni Tuath i gu bhi air a càradh. Bi’dh aig muinntir a bhaile so ri “Mayor” a thaghadh air a 5mh latha dhe ’n mhios s’a tighinn. Tha Mr. Harrington, a tha ’san dreuchd sin a chionn dà bhliadhna ’dol ’ga leigeadh dheth. Tha dithis eile ’dol a dh’ fheuchainn ri faighinn a stigh, Mr. Cailein Mac Fhionghain, agus Mr. A. J. Domhnullach. Bha Mr. D. D. Mac Coinnich à Sidni Tuath, air a ghoirteachadh gu dona ann a’ Halifax latha tòrraidh Shir Iain Thompsoin. Bha e-fhéin ’sa bhean ’s cuid-eigin eile ’nan seasamh ann an sleighe, a’ gabhail beachd air a chuideachd a bha leantuinn a’ ghiùlain, agus ghabh an t-each eagal ’s thug e leum air adhart, ’s bha iad nan triùir air an tilgeadh as an t-sleighe. Bhuail ceann Mhr. ’Ic Coinnich air an t-sràid, ’s rinneadh gearradh grànda air. B’ fheudar do na dotairean an gearradh fhuaigheal. Tha sinn a tuigsinn gu bheil e air a dhol gu math na’s fhearr, agus tha sinn an dochas nach bi sion air an uine ghoirid. Chaidh nighean bheag le Padruig Roach ’sa Mhèinn Uir (Reserve), air chall feasgar na Bliadhn’ Uire, agus cha d’ fhuaireas sgeul oirre uaithe sin, ’s cha ’n urrainn duine a dheanamh mach dé dh’ éirich dhi. Chaidh i mach mu cheithir uairean a cheannach mhilseanan; ràinig i an stòr aig Tomas Hennesey ’s dh’ fhàg i ga tilleadh dhachaidh agus cha’n fhacas i uaithe sin. Bha mu leth-mhile dh’ astar eadar an stòr ’s tigh a h-athar, ’s bha i glé eòlach air. ’N uair nach d’ ràinig i dhachaidh ghabh a pàrantan an t-eagal, agus thionndaidh iad fhéin ’s an coimhearsnaich uile mach ’g a h-iarraidh, ’s lean iad air siubhal fad na h-oidhche. Agus a h-uile latha uaithe sin tha iad am mach; aon latha bha cóig ceud duine ’g a h-iarraidh. Ach cha d’ fhuaireadh fios sam bith oirre shios no shuas. Tha e doirbh fhios a bhi dé thigeadh rithe. Tha Siorramachd Antigonish a nise, le bàs Shir Iain Thompsoin, gun fhear-pàrlamaid. Tha bruidhinn aca air a mhac Ioseph Thompson a chur a stigh ’na áite. Ma ’se ’s gun tachair sin bidh am mac a’ gabhail àite ’n athar. Rinn an stoirm call mor ann am Margaree air an t-seachdain roimh ’n t-seachdain s’a chaidh. Chaidh suas ri fichead drochaid a sguabadh air falbh, agus bha dà shoitheach air an cur bhar nan acraichean, ’s té dhiubh air a tur mhilleadh. Agus a nis aon uair eile tha iad ag innse dhuinn gu bheil an rathad-iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove ri dhol air adhart gun dàil. ’S ioma uair a chuala sinn roimhe e, agus tha cuid dhe’n bharail gu’n cluinnear fhathast e. Ach dh’ fhaoidte nach cluinn. “Ge fad an duan, ruigear a cheann.” Tha iad a’ meas gu robh mu mhil’ air fhichead duine air stràidean Halifax latha tòrraidh Shir Iain Thompsoin. Bha eadar coig us sia cheudan dhiubh à Ceap Breatuinn. Bha ’n giùlain ’s an sluagh a bha ’g a leantuinn dh’ ionnsaidh na h-uaghach, ’na shealladh a b’ fhiach do dhuine sam bith a dhol ’ga fhaicinn. Chaidh an carbad-iaruinn thairis air seann duine bochd, do ’m b’ ainm Uilleam Armstrong, aig Toronto air an t-seachdain s’a chaidh; chaidh a dha chas a ghearradh dheth, alàmh a bhristeadh, agus a cheann a ghoirteachadh. Tha e anns an ospidal, agus tha na dotairean ag ràdh nach urrainn da dhol am feabhas. Chaidh an tigh aig Iain Mac Néill, French Vale, ’na theine maduinn Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh sàbhaladh gle chaol air fhéin ’s aìr a theaghlach. Dhùisgeadh e air feadh na h-oidhche leis an toit, agus fhuair e ’n toiseach a bhean ’s pàisde beag a thoirt a mach; an sin thug e chuid eile dhe ’n chloinn am mach, duine ma seach, ach bha ’n teine cho fad air adhart ’s nach d’ fhuair e uiread ’s an cuid aodaich a shàbhaladh. Chaidh fear Domhuull Dunn a mhuinntir Cheap Breatuinn a mharbhadh air an rathad-iaruinn aig Malden, Mass., oidhche Chiaduinn air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair anns na Stàitein o chionn còig no sia bhliadhnaichean. Bha e anns an ospidal ann an Boston, agus thatar a deanamh mach gu’n d’ fhalbh e as gun fhios d’a fhéin ’s gun deach e air an rathad far ’n do chaill e ’bheatha. Bha e mu sheachd bliadhna fichead a dh’ aois. Chaidh duin óg a mhuinntir New Harris, fear Aonghas Mac Leòid. a bhàthadh ann an St. Ann’s, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha o feuchainn ri dhol thairis air an deigh eadar an laimhrig aig South Gut agus Rudha ’n Rothaich, agua bha e mu leth an rathaid ’nuair a bhrist i fodha. Chunnaic feadhain eile e bho thir, agus chaidh iad a mach g’a thearnadh cho luath ’sa dh’ fhaodadh iad, ach cha’n fhacas sealladh dheth tuilleadh, agus cha d’ fhuaireadh a chorp fhathast. Cha robh e ach mu ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 222] [Vol. 3. No. 28. p. 6] RIDIRE GHRIANAIG. “Bithidh e cho math.” Thug am fitheach beic agus godarleum, ’s chaidh e ’stigh; ach thug an dorus it’ a bun a’ sgeith, ’s sgreuch e. “Iain bhochd! na’m faigheadh tusa ’stigh air cho beag doruinn riumsa, cha bhithinn a’ gearan.” Ghabh Iain roid air ais, ’s roid air aghaidh; thug e leum as a dhol a stigh; rug an dorus air, ’s thug e leth a’ mhais deth. Ghlaoidh Iain, ’s thuit e fuar marbh uir urlar an stabuill. Thog am fitheach e; ’s ghiulain e air barraibh a’ sgeith e, mach as an tigh, do thigh an fhamhair. Leag e air bord e, air a bheul ’s air a shroin; chaidh e mach: chruinnich e luibhean, ’s rinn e ceirean a chuir e ris; ’s ann an deich laithean bha e cho maith ’s a bha e riamh. Chaidh e’ mach a dhol a ghabhail sraid, ’s chaidh am fitheach a mach leis. “A nis, Iain, gabhaidh tu mo chamhairle, ’s cha ghabh thu iongantas de ni sam bith a chi thu feadh an eilein; ’s bheir thu dhomhsa greim tombaca.” Bha e spaisdearachd feadh an eilein, ’s a dol roimh ghleann; chunnaic e triuir làn laoch na ’n sineadh air an druim, sleagh air uchd a h-uile fir dhiu, ’s e na shioram suain chadail ’s na lòn falluis. “Thar leam fein gur deistinneach so; ’d é choire a bhiodh anns na sleaghan a thogail diu?” Chaidh e, ’s dh’ fhuasgail e dhiu na sleaghan. Dhuisg na laoich, ’s dh’ eirich iad a suas. “Fhiannis air an fhortan ’s air daoine, gur tu Iaìn òg mac an t-saighdier a Albainn, ’s gu bheil e mar gheasaibh ort dol leinne roimh cheann mu dheas an eilean so, seachad air uamha ’n ias gair dhuibh.” Dh’ fhalbh e fein ’s na tri lan laoich. Chunnaic iad smùid chaol a mach a uamha. Chaidh iad gus an uamha. Chaidh aon de na laoich a stigh, ’s ’n uair a chaidh e stigh bha cailleach an sin ’n a suidhe, ’s an fhiacail a bu lugha ’n a beul dheanadh i dealg ’n a h-uchd, lorg ’n a laimh, ’s maide brosnachaidh do ’n ghriosaich. Bha car d’a h-ìnean mu h-uilt, ’s car d’a falt liath mu ladhran; ’s cha robh i aobhach ri amharc oirre. Rug i air slachdan druidheachd; bhuail i e, s rinn i carragh maol cloiche dheth. Bha iongantas air an fheadhain a bha mach de chuir nach robh e ’tilleadh. “Theirig a stigh,” ars’ Iain ri fear eile, “’s amhairc ’d e tha cumail do chompanaich.” Chaidh e ’stigh; ’s rinn a’ chailleach air mar a rinn i air an fhear eile. Chaidh an traas fear a stigh, ’s rinn i airsan mar a rinn i air cach. Chaidh Iain a stigh m’a dheireadh. Bha cat mor claghann ruadh an sin, ’s chuir i bara de’n luaith dheirg m’a cloimhe, an los a bhodhradh ’s a dhalladh. Bhuail e barr a chois oirre, ’s chuir e ’n t-eanachainn aisde. Thug e lamh air a’ chaillich. “Iain! na dean. Tha na daoine sin fo gheasaibh; agus airson nan geasan a chur dhiu, feumaidh tu dol do dh-eilean nam barr mora, ’s botull de ’n uisge bheo ’thoirt as: a’s ’n uair a rubas tu riu e, falbhaidh na geasan ’s thig iad beo.” Thill Iain air ais fo dhubh thiamhas. “Cha do ghahh thu mo chomhairle,” ars’ am fitheach, “’s thug thu tuillidh dragh ort fein. Theid thu luidhe ’nochd, ’s ’n uair a dh’ eireas tu ’maireach, bheir thu leat an steud, ’s bheir thu biadh a’s deoch dhi. ’S coingeas leatha muir no tir; ’s ’n uair a ruigeus tu eilean nam ban mora, coinneachaidh sé deug de ghillean stabuill thu, ’s bithidh iad air fad air son biadh a thoirt do ’n steud, ’s a cur a stigh air do shon; ach na leig thusa dhoibh. Abair gu ’n toir thu féin biadh a’s deech dhi. ’N uair a dh’ fhagas tu ’s an stabull i, cuiridh a h-uile aon de ’n t-se deug car ’s an iuchair: ach cuiridh tusa car an aghaidh a h-uile car a chuireas iad ann. Bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir gu dearbh.” Chaidh e’ luidhe an oidhche sin; ’s anns a’ mhadainn chuir e ’n steud an ordugh, ’s ghabh e air falbh. Thug e h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir; ’s dh’ fhalbh i na deann, gus an do rainig iad eilean nam ban mora. ’N uair a chaidh e air tir, choinnich sé gille deug stabuill e, ’s bha h-uile fear ag iarraidh a cur a stigh ’s a biathadh. “Cuiridh mi fein a stigh i, ’s bheir mi ’n aire dhi; cha d’ thoir mi do h-aon sam bith i.” Chuir e stigh i; ’s ’n uair a thainig e ’mach chuir a hsuile fear car ’s an iuchair; ’s chuir esan car an aghaidh a h-uile car a chuir iad innte. Thuirt an steud ris gu ’m biodh iad a’ tairgseadh a h-uile seorsa deoch dha, ach gun esan a ghabhail deoch sam bith uapa, ach meug a’s uisge. Chaidh e ’stigh; ’s bha h-uile seorsa deoch g’a chur mu ’n cuairt an sin, ’s bha iad a’ tairgseadh gach seorsa dhasan; ach cha ghabhadh esan deur de dheoch sam bith ach meug a’s uisge. Bha iadsan ag òl gus an do thuit iad ’n an sineadh mu ’n bhord. Dh’ iarr au steud airsan mu ’n do dhealaich i ris, e thoirt an aire ’s gun chadal, ’s a chothrom a ghabhail airson tighinn air falbh. ’N uair a chaidil iad, thaing e mach as an t-seomar, ’s chual e ’n aon cheol a bu bhinne chualas riamh. Ghabh e air ’aghaidh agus chual e ann an aite eile ceol moran ni bu bhinne. Thainig e gu taobh staidhreach, ’s chual e ceol ni bu bhinne ’s ni bu bhinne, agus thuit e ’n a chadal. Bhris an steud a mach as an stabull; thainig i far an robh e; bhuail i breab air, ’s dhuisg i e. ‘Cha do ghabh thu mo chomhairle,’ ars’ ise, ‘’s cha ’n eil fios a nis am faigh thu do ghnothuch leat no nach faigh.” Dh’ eirich e le duilichinn. Rug e air claidheamh soluis a bha ’n oisinn an t seomair, ’s thug e na se cinn deug a mach. Rainig e ’n tobar; lion e botull, ’s thill e. Choinnich am fitheach e. ‘Falbhaidh tu agus stablachaidh tu an steud ’s theid thu ’luidhe ’nochd; ’s am maireach theid thu ’s bheir thu beo na laoich, ’s marbhaidh tu chailleach; ’s na bi cho amaideach am maireach ’s a bha thu roimhe so.” “Nach tig thu leam an nochd a chur dhiom mo chianalais?” “Cha tig; cha fhreagair e dhomh.” An la ’r na-mhaireach rainig e ’n uamha. “Failte dhuit, Iain,” ars’ a’ chailleach. “Failte dhuitse; ach cha shlainte dhuit.” Chrath e’n t-uisg air na daoine, ’s dh’ eirich iad beo. Bhuail e ’chas air a’ chaillich; agus spread e ’n t-eanachainn aisdt. Ghabh iad a mach, ’s chaidh iad gu ceann deas an eilein. Chunnaic iad an t-iasgair dubh an sin ag obair ri chuilbheartan. Tharruinn e ’bhas, ’s bhuail e e; spread e’n t-eanachainn as, ’s thug e na laoich dhachaidh do cheann deas an eilein. Thainig am fitheach far an robh e. “A nis theid thu dhachaidh, ’s bheir thu leat an steud—’s coingeis leatha muir no tir. Tha tri nigheanan an Ridire ri banais a bhi aca—dithis ri bhi posda air do dha bhrathair, agus an te eile air a’ cheannabhart a bh’ air na daoine aig a’ chreig. Fagaidh tu an ceap agamsa; agus cha bhi agad ach smaointeachadh orm, ’n uair a bitheas e dhith ort, ’s bithidh mi agad. Ma dh’ fheoraicheas aon diot co as a thainig thu, abair gun d’ thainig thu as do dheigh; ’s ma their e riut caite ’bheil thu dol, abair gu bheil thu dol ramhad.’ Chaidh e air muin na steud; thug e h-aghaidh ri muir, ’s a [TD 223] [Vol. 3. No. 28. p. 7] cul ri tir; ’s air falbh a bha e; ’s cha d’ rinneadh stad no fois leis gus an d’ rainig e ’n t-sean eaglais ann an Grianaig; ’s bha lòn feoir an sin, agus tobar uisge, agus tom luachrach. Thainig e bharr na steud. ‘A nis,’ ars’ an steud, ‘gabhaidh tu claidheamh, agus bheir thu ’n ceann diomsa.’ ‘Cha toir gu dearbh; bu duilich leam a dheanamh; cha b’e mo chomain e.’ ‘Feumaidh tu ’dheanamh; ’s ann a th’ annamsa nighean òg fo gheasaibh: ’s cha bhi na geasan diom gus an toirear an ceann diom. Bha mi fein ’s am fitheach a’ suiridh—esan ’n a ghille òg, ’s mise am nighinn oig ’s chuir na famhairean druidheachd oirnn; ’s rinn iad fitheach dhethsan agus steud dhiomsa.’ Tharruinn e’ chlaidheamh; thionndaidh e ’chul; ’s thug e ’n ceann dith le sgath bhuille; ’s dh’ fhag e ’n ceann ’s a’ chlosach an siod. Ghabh e air aghaidh. Choinnich cailleach e. ‘Co as a thainig thu,’ ars’ ise. Thainig mi as mo dheigh.’ ‘C’aite ’bheil thu dol.’ ‘Tha mi ’dol romham.’ ‘Sin freagairt fir caisteil’ ‘Freagairt gu math freagarrach air cailleach mhiobhail mar a tha thusa.’ Chaidh e stigh leatha ’s dh ’iarr e deoch. Fhuair e siod. “C’ aite ’bheil t-fhear.’ ‘Tha aig tigh an Ridire ag iarraidh ór a’s airgiod a ni ceap do nighean òg an Ridire, mar a th’ aig a peathraichean: ’s gun leithid nan ceapan r’a fhaotainn an Albainn.” Thainig an Gobha dhachaidh. ‘De ’s ceaird duit, òganaich. “Tha mi ’m ghobha.’ ‘’S math sin; ’s gu’n cuideachadh tu leamsa ceap a dheanamh do nighean òg an Ridire ’s i dol a phosadh.’ Nach ’eil fios agad nach urrainn thu sin a dheanadh?’ ‘’S eiginn feuchainn ris; mur an dean mi e’ bhithidh mi air mo chrochadh am maireach.’ ‘So is fearr dhuit a dheanamh—glais mise stigh s a’ cheardaich; gleidh an t-or ’s an t-airgiod; ’s bithidh an ceap agamsa dhuit ’s a’ mhadainn.” Ghlais an gobha stigh e. Ghuidh e ’m fitheach. Bhris e stigh roimh ’n uinneig, ’s bha ’n ceap leis. “Bheir thu ’n ceann dhiomsa ’nis.’ ‘Bu duilich leam sin a dheanamh, ’s cha b’e mo chomain e.” Feumaidh tu ’dheanamh; is gille òg fo gheasan mise; ’s cha bhi iad dhiom gus an tig an ceann dhiom.” Tharruinn e ’chlaidheamh; sgath e’n ceann deth; ’s cha robh siod doirbh a dheanamh. Anns a’ mhadainn thainig an gobha ’stigh, ’s thug e dha ’n ceap. Thuit e ’n a chadal. Thainig oganach ciatach le Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar bheachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnin a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 224] [Vol. 3. No. 28. p. 8] falt donn a stigh, ’s dhuisge e. “Is mise,’ ars’ esan, ‘am fitheach, ’s tha na geasan a nis dhiom.’” Choisich e leis sios far an d’ fhag e ’n steud marbh, ’s choinnich boirionaach òg an sin iad cho aluinn ’s a chunnaic suil riamh. ‘Is mise,’ ars’ ise, ‘an steud, ’s tha na geasan diom a nis.’ Chaidh an gobha leis a’ cheap gu tigh an Ridire. Thug an searbhanta thun nighean òg an Ridire e, ’s thuirt i rithe gu robh a’ siod an ceap a rinn an gobha. Dh’ amhairc i air a’ cheap. “Cha d’ rinn e ’n ceap so riabh. Abair ris an t-slaightire bhreugach e ’thoirt an fhir a thug dha ’n ceap an so, aìr neo gu’m bi e air a chrochadh gun dail.’ Chaidh an gobha ’s fhuair e ’m fear a thug an ceap dha; ’s ’n uair a chunnaic is e ghabh i boch mor. Chaidh a’ chuis a shoilleireachadh. Phos Iain agus nighean òg an Ridire; s chaidh cul a chur ri cach, ’s cha ’n fhaigheadh iad na peathraichean eile. Chuireadh roimh ’n bhaile iad, le claidheamhnan maide, ’s le criosa-guailne conlaich.—Bho Sgeulachdan Gaiphealach le I. F. Caimbeul. TURUS A MHARAICHE LE EOBHAN MACLAOMUINN. M. A., D. D. Mach a Uamh anns a charraig theich Calman dh-ionnsuidh na h-oigh, agus chualas guth o bhràigh na creige: A nighean tha do pheacaidhean air a maitheadh dhuit. Mach as an ionad naomh thainig seanair, a bheannaich an Oigh, a thug dhi neamhnuid ro luachmhor, agus falluinn co geal a’s nach b’urrain fear-glanaidh air thalamh an deanamh nis gile. Lean i e agus las téinntean altrach an iònaid naoimh. Ghabh an seanair uan agus mharbh se e agus chrath e’n fhuil air an altair anns an ionad naomh agus air a ghruagaich. An sin thog e suas a shuilean agus ghabh e beachd air na maraichean, a dh-fhan samhach mar gu’m biodh an Tighearn aig laimh. Chuir e fàilte orra. Labhair an oigh riutha, mar an ceudna, briathran bha làn gràis agus firinn. ’Nuair chuala an seanair ainn Emanuel, agus fios bhi aige gu robh creideas ac’ annsan, thubhairt e: Is beannaichte sibh o’n Tighearn, mar an ceudna dh-àithn e dhaibh nigh anns’ an tobar, ni a rinn iad agus bha iad gu mòr air an ùrachadh—iad uile ach “Dearsadh’ a mhain—a raoghnaich tumadh ann s’ a chuan shaillte, agus e fein a sgaradh bho chách. Ann sin chrath an seanair fuil an uain orra agus thug e dha gach aon ainm nuadh, nach aithne do neach air bith, ach do’n ti a gheibh i. Chualas fuaim an aoibhneis oscionn na creige: rinn ainglean De gairdeachas le iolach mhor. Thuit criosduidh, maille ris na maraichean, air an aghaidhean agus rinn iad aoradh ag radh ‘Cha’n aite eile so ach Tigh Dhe agus geatha neamh.” An sin thainig glaodh a nuas bharr-bile na cseag: “Cia maiseach air na sleibhtibh cosan an teachdair aoibhin!’ Agus feuch! aon cosmhuil ri Mac an Duine, air a sgeadachadh mar fhear nuadh posda teachd a’n comhail bean-na-bainnse; teachd chum an t-seanair agus an oigh, agus chaldh an triur a steach do’n Ionad Naomh. Dh’fheith na maraichean gus an d-thainig a seanair a mach, agus aig togail suas a lamhan da, thubhairt e: Dhubh mi as, mar neul, d’ eu-ceartan; agus mar cheo, do lochdan; pill rium oir shaor mise thn. Fhreagair an oigh mar an ceudna a bha sgeadaichte ann an geal: “Séinnibh o neamhan, oir thug an Tighearn gu crich; togaibh iolach. O dhoimhneachda na talmhainn!’ Sheulaich a seanair gach aon de na maraichean le spiorad naomh a Gheallaidh. Thug e dhaibh mar an ceudna earlas na h-oighreachd, agus ghuidh e orra gun iad bhi nis mò na’n cloinn air an luasgadh a null agus a nall leis gach gné sheorsa teagaisg, agus nuair thubhairt e riutha: Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa, bheannaich e iad a rithisd agus cha’n fhac iad tuilleadh e. (Ri leantuinn.) Leighisoadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aig am sam bith. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin, P. KERR, Maighstir [TD 225] [Vol. 3. No. 29. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 19, 1895. No 29. An Seillein. (Busg Bee.) Nach saoithreach gleust an seillein beag, Ri blàs is teas an là, A’ deothal meal’ a’ measg nam bruach A cuachaibh maoth nam blàth. Nach innleachdach a choinneag chruinn, Le ciribh meala bàn; ’S nach dichiollach an seillein beag, Gan deanamh loma làn. Mar so gu tarbach dichiollach, Gun saothairicheam maraon; Oir buairidh an t-Abhaisteir gu h-olc, A mhuinntir dhiomhain, fh aoin. A’ foghlum ceaird no sgoileireachd, Gun caithinn laithean m’ òig; Gun d’thugain air gach là mar so, Deagh chunntas ait fa’ dheoidh. FACAL NO DHA A BAILE NEW YORK. A MHIC-TALLA Runaich;—Bliadhna mhath ùr dhuit! Tha faisg air mios bho ’n leugh mi le mor spéis litir phongail air a spriobhadh a réir coltais le fior Ghàidheal anns a’ bhaile mhòr so a’ toirt cunntas do luchd-leughaidh MHIC-TALLA air na h-oidhearpan a tha àireamh mhath de Ghàidheil New York a’ deanamh air son an cànain aosda, cheòlmhor, a chumail beò. Tha mise agus moran eile ’gabhail fadail nach eil ar coimhearsnach, an t-Americanach a’ geurachadh gob a phinn gu litir eile chur do ’r n-ionnsuidh. Tha dòchas againn gu bheil an Gàidheal suairce slàn fallain. agus gu’n d’ fhuair e bhliadhn’ ùr seachad gu cridheil sùnndach; ach mar a thuirt Donnacha Ban,— “’S ioma car a dh’fhaodas Tigh’n air na fearaibh.” Ma dh’ fhaoidte gu’n do phòs e! Ma ’se sin a rinn e, guidheam buaidh leis us beannachd fhad ’sa mhaireas a linn. Ach coma co-dhiù, feuchaidh mise le m’ pheann leibideach féin innseadh dhuibh gu dé tha Gàidheil Nova Scotia, Cheap Breatuinn, Eilein ’a Phrionnsa agus Chanada, a’ deanamh a measg Ghàidheal a’ bhaile so. Mar tha fhios agaibh, dh’ fhosgail sinn Sgoil Shàbaid o chionn còrr us tri miosan, agus bi’dh sibh toilichte chluinntinn gu bheil a nise barrachd air leth-cheud a’ cruinneachadh bho Shabaid gu Sàbaid a leughadh facal an Tighearna ’nan cànain féin. Nach còir dhuinn, ma ta, buidheachas a thoirt do Dhia air son an cothrom so a bhi againn gach latha Sàbaid, a bhi seinn a chliù mar a chleachd sinn fo stiùireadh Dhomhnuill Sgoileir ann an Eaglais à’ chnuic. ’S e Domhnull Domhnullach, gill’ óg a mhuinntir Thirithe, aig a bheil mor eòlas air Gailig, agus aig a bheil guth binn a’ tha cur am mach nan salm. Tha mi làn chinnteach gu’m bi sibh toilichte fhaicinn na h-ainmean a leanas a bhi ’nan Gàidheil cho dileas, oir tha fhios agam gu bheil sibh eólach air cuid dhiubh; mur eil, tha ur luchd-leughaidh. A Framboise, ’an Ceap Breatunn,—Iain M. Strachan, Deòrsa Strachan, Niall Strachan, Sìne Strachan, Màiri Sine Strachan, Sine C. Strachan, Deòrsa Moireastan, Murcha Dòmhnullach, Coinneach D. Mac Asguill, Iain A. Mac Leòid, Uilleam I. Reid. A Baddeck,—Eoghan Mac Gilliosa, Tormoid Mac Gilliosa, Iain R. Domhnullach, Leina Nic Aonghais. A Sidni,—Coinneach Domhnullach, Aonghas Mac Fhearghais. A Eilean a’ Phrionsa,—A. Nic Neachdain. Faodaidh mi nis ainnseadh dhuibh gu dé tha ’dol air adhart a measg cuid eile de Ghàidheil a’ bhaile so. Chuala sibh, tha mi cinnteach, (oir ge b’e chluinneas MAC-TALLA bi’dh e air aithris) gu bheil an Comunn Ceilteach a’ feuchainn o chionn còrr agus bliadhna ris a Ghàilig a chumail beò, ach mo chreach, an àit iad a bhi fàs làidir, ’s ann tha iad a’ fàs lag, seadh, lag, lag; tha deò air eigin ’nan cuislibh, ach ’se sin fhéin uil’ e. Agus gu cinnteach, cha’n eil iongantas ann, a chionn gu bheil neart de’n luchd riaghlaidh caoin-shuarach mu’n “Chainnt bhlasda, shnasda, cheólmhor, Bhinneach, òranach, gach linn.” Gu fortanach, tha Gàidheil cheanaltas aig am beil spéis agus gràdh do chainnt am màthar fhathast ri ’m faotainn anns a’ bhaile so. Chunnaic iad nach robh ceòl, litreachas, agus pàirt de chleachdaidhean an sinnsir a’ faotainn cothrom na Féinne a measg nan gall, agus chuir iad air bonn comunn ùr,—Comunn Gàilig New York. Bi’dh sibh toilichte chluinntinn gu bheil fior Ghàidheil, eolach air cainnt, ceòl, litreachas, agus gach ni eile bhuineas do eachdraidh Chlanna nan Gáidheal, ceangailte ris a’ chomunn so, agus ’se dùrachd ar cridhe nach faigh a Ghàilig bàs. Chlann nan Gàidheal, bi’bh cuimhneach Air ur cainnt a chur an cleachdadh: Cha’n iarr i iasad air cànain, ’S bheir i féin do chàch am pailteas. Gur meirg a leigeadh air diochuimhn’ A’ chainnt rioghuil, bhrioghail, bhlasda; ’S mòr an onair anns gach àm Do dh’ aon a labhras i le ceartas.” Bhur Caraid Dileas, DOMHNULL EACHUINN. Cha’n fhaighear eòlas luachmhor ach le mòr-dhìchoill agus strith. Feumaidh gach neach na raointean agus na machraichean a shiubhal leis fein, agus dol air aghaidh le misnich air feadh nam beann agus nan garbhlach. Cha’n fhaigh oganach eolas a nasgaidh; feumaidh e a chosnadh le strith agus foighidinn. Dh’ aindeoin eo aineolach ’s gu’m feud e a bhi, ma tha deigh aige air eolas, ma tha e an toir air mar airgid, m’a tha e ’ga rannsachadh a mach mar ionmhas folluichte, cha bhi a shaothair gu diomhain. Is e eolas duais an dichill, agus cha chaill an dichiollach air chor sam bith a dhuais fein. Tha’n duine sin a làbhras do ghnàth an fhirinn ghlan, ’n a dhiulnach a ta moran ni’s tapaidh na ghabhar e. [TD 226] [Vol. 3. No. 29. p. 2] AN TEINE MOR. (Will ’o the Wisp.) Oraid a sgriobhadh do Chomunn Gailig Inbhirnis, mu’n am so an uiridh. Le IAIN. Bha n gobha car greise a’ dol fo’ smaointean ’s gun fhios aige gu ro mhath ciod a dh’ iarradh e. Mu dheireadh thuirt e: “Is e mo cheud iarrtus, ge b’ e uair a thogras mi, gu ’n lean làmhgn fir sam bith a bheireas air an órd mhòr ri cas an ùird, agus gu’n lean an t-òrd ris an innean, agus gu’n lean an t-innean ris an ùrlar. Is e mo dhara iarrtus, ge b’e uair a thogras mi, gu’n lean fear sam bith a shuidheas air a’ chathair a th’anns an t-seòmar ris a’ chathair, agus gu’n lean a’ chathair ris an ùrlar. Agus is e mo threas iarrtus, bonn airgid sam bith a chuireas mi ’nam’ sporran nach tig e as gu bràth gus an toir mi fhein as le mo làimh e.” “Ud, ud,” ars’ an seann duine, “is bochd mar a dh’ iarr thu. C’ uime nach d’ iarr thu nèamh.” Ghabh an seann duine roimhe air a thurus agus thill an gobha dhachaidh. Air a’ cheart latha a dh’ ainmich e, thàinig an “droch-fhear” a dh’ iarraidh a’ ghobha. Bha’n gobha an là ud ag obair gu trang anns a’ cheardaich. An uair a thàinig an “droch-fhear” ghabh e dìreach do’n cheardaich. “So, so,” ars’ esan ris a’ ghobha, “grad fhaigh deiseil ’s gu’m biodh tu ’falbh comhladh rium.” “Foighidin bheag, a dhuine,” ars’ an gobha, “gus an cuir mi crioch air an obair a th’ agam ri dheanamh. Bha e riamh mar chleachdadh agam seasamh ri m’ fhacal, agus crìoch a chur air obair sam bith a ghabhainn os laimh a dheanamh. Ach ma tha cabhag ort is fhearr dhut làmh-chuideachaidh a thoirt domh. Beir air an òrd mhòr agus thoir buille no dhà air an iarunn so.” Rug an “droch-fhear” air an òrd mhòr, agus mu’n d’ thug e tri buillean air an iarunn, lean a làmhan ri cas an ùird, lean an t-òrd ris an innean, agus lean an t-innean ris an ùrlar. “Tha mi an sàs agad,” ars’ an “droch-fhear.” “Tha thu, agus mu ’m faigh thu as, feumaidh tu a bhith glé umhail dhomhsa,” ars an gobha. “Leig as mi agus bheir mi dàil latha is bliadhna dhut, agus am pailteas a dh’ òr ’s a dh’ airgiod mar a bh’ agad o chionn bliadhna,” ars’ an “droch-fear.” “Air a’ chnmhnanta sin leigidh mi as thu, agus grad bi falbh as mo shealladh,” ars’ an gobha. Chuir an gobha agus a theaghlach a’ bhliadhna ud seachad ann an sògh ’s ann an sunnd ’s ann an cridhealas. Bha gach cùis a’ dol leotha mar am miann, agus mar sin bu ghann a dh’ fhairich iad a bhliadhna dol seachad. Air an latha ainmichte thàinig an “droch-fhear” mar a thubhairt e. Fhuir e an gobha ag obair gu farumach anns a’ cheardaich agus ’fhallus ’ga dhalladh. Ghlaodh e air taobh a muigh an dorus ris a’ ghobha, agus thuirt e, “Thig a mach á sin agus bi falbh còmhladh riumsa gun tuilleadh dàlach.” Chaidh an gobha a mach agus thuirt e ris, “Cha’n iarr mise de dhàil an diugh ach fhad ’s a bhios mi ’toirt dhiom na feusaig agus a’ cur deise ghlan umam. Uair sam bith a tha mi ’falbh o’n taigh tha e mar chleachdadh agam mi fhein a nigheadh ’s a ghlanadh, agus deise ghrinn ghlan a chur uman. Is suarach an toileachadh dhomh ged a gheibhinn uiread so dhe mo thoil fhein an diugh.” “Cha dealaich mi riut a muigh no mach,” ars’ an “droch-fhear.” “Cha ’n ’eil mi ’g iarraidh sin ort. Faodaidh tu suidhe làimh rium anns an t-seòmar fhad ’sa bhios mi ’g am’ dheanamh fhein deiseil,” ars’ an gobha. Dh’ aontaich an “droch-fhear” so a dheanamh. Lean e an gobha steach do’n taigh, agus do’n t-seòmar anns an robh an gobha gus e fhéin a nigheadh. Dh’ iarr an gobha air suidhe air a’ chathair a bh’ anns an t-seòmar. Rinn e so. Thòisich an gobha air toirt na feusaig dheth fhéin, agus air deise ghlan a chur uime. An uair a bha e deas thuirt e ris an “droch-fhear,” “Tha mise nis deiseil. Is fhearr dhuinn a bhith falbh.” An uair a thug an “droch-fhear” gluasad as gu éirigh bhar na cathrach cha b’ urrainn da éirigh; oir lean e ris a’ chathair, agus lean a’ chathair ris an ùrlar. “Tha mi ann an sàs agad a rithist,” ars’ an “droch-fhear.” “Tha thu, agus cha’n fhaigh thu as a sin mur geall thu dhomhsa nach tig thu gu ceann latha ’s bliadhna. Feumaidh tu mar an ceudna am pailteas a dh’ ór ’s a dh’ airgiod a thoirt dhomh mar a b’ àbhairt dhut,” ars’ an gobha. Dh’ aontaich an “droch-fhear gu ’n deanadh e mar a dh’ iarr an gobha. Leig an gobha cead a choise dha agus dh’ fhalbh e. Chaidh a’ bhliadhna sin leis a’ ghobha cho math ’s a chaidh gach bliadhna eile. Cha robh éis no deireas ni sam bith air fhein no air a theaghlach. Ach mar a b’ fhearr a bha cuisean a’ dol leis is ann bu ghiorra a bha e ’faireachadh na h-ùine. Mu dheireadh tháinig ceann na bliadhna. Thàinig an “droch-fhear” air a latha fhein mar bu ghnàth leis. Cha rachadh e aon chuid asteach do’n cheardaich no idir do thaigh a’ ghobha. Bha greann an uilc air. Labhair e gu fiata ris a’ ghobha, agus thuirt ris, “A nis, cha’n ’eil a null no a nall agad an diugh. Feumaidh tu falbh còmhladh riumsa anns an t-seasamh bonn. Cha dean do chuid chuilbheartan feum ni’s fhaide. Tog ort mar a tha thu ’s biomaid a grad fhalbh.” “Tha mi ’faicinn nach eil feum a bhith ’cur ’nad’ aghaidh ni’s fhaide. Biomaid a’ grad fhalbh, ma ta,” ars’ an gobha. Thog iad orra agus dh’ fhalbh iad gun tuilleadh dàlach. Cha robh còmhradh sam bith eatorra car beagan ùine. Mu dheireadh thuirt an gobha as a ghuth-tàimh, “Tha iad ag ràdh gu’n teid agadsa air thu fhein a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.” “Tha sin fior gu leor,” ars’ an “droch-fhear.” “Cha chreid mi e gus am faic mi e. Ach ma’s urrainn duit, cuir thu fhein ann an riochd bonn airgid, agus an uair sin creididh mise gu’n teid agad air a dheanamh mar a tha iad ag ràdh,” ars’ an gobha. Mu’n gann a leig an gobha am facal as a bheul bha ’n “droch-fhear” ’na bhonn airgid air a bheulaobh. Cho luath ’s a bh’ aige rug an gobha air a’ bhonn airgid agus sparr e gu teann cruaidh anns an sporran e, agus chuir e ’na phòcaid e. “Tha thu an sàs agam a nis air sgròib, agus theid mi ’n urras gu ’m bi latha no dhà mu’m faigh thu do chead fhein,” ars’ an gobha. Thionndaidh e air a shàil agus thill e dhachaidh. Ach ma thill cha b’ ann gu sìth no gu samhchair. Bha am fear a bh’ anns an sporran air iomairt ghabhail a’ chuthaich ag iarraidh as a’ gheimheil anns an robh e. Bhiodh e air uairean a’ sgreadail ’s a’ sgreuchail mar gu’m biodh muc ann, [TD 227] [Vol. 3. No. 29. p. 3] agus air uairean eile bhiodh e ag at cho mòr anns an sparran ’s gu robh eagal air a’ ghobha gu sracadh e e. Cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e ris. Ach bha aon ni a bha soilleir gu leòr dha, agus b’e sin, gu feumadh e an sporran ’s na bha ’na bhroinn a chur as an t-sealladh air aon dòigh no dòigh eile. Bha e ’dol fo ’smaointean mar a b’ fhearr a b’ urrainn da feuch ciod bu chòir dha a dheanamh. Is e ’bhuail ’s a cheann aige mu dheireadh gu’m pronnadh e an sporran ’s na bha ’na bhroinn cho mìn ’s a ghabhadh deanamh leis na h-ùird air an innean. Chuir e fios air dithis ghillean làidir, tapaidh a b’ aithne dha, agus thug e orra teannadh ris an sporran ’s na bha bhroinn a bhualadh air an innean. Ach ma bha am fear a bh’ anns an sporran a’ sgreuchail roimhe sin, cha bu lugha bha de sgreuchail air an uair a thòisich na fir ri’ bhualadh air an innean. “Gabhaibh dha, gabhaibh dha, ’illean; cumaibh fodhaibh e ma dh’ fhaodas sibh,” theireadh an gobha. Pronn ’s mar a bha e, thug am fear a bh’ anns an sporran e fhein as cho luma-luath ’s a chràmh an sporran le buillean nan òrd. Chaidh e as an t-sealladh ’na shradagan teine a mach air an luidhear, agus cha’n fhaca an gobha a dhubh no ’dhath riamh tuilleadh air an talamh. Ma fhuair an gobha an latha ud cuibhteas ’s an “droch-fhear,” ghrad thòisich gnothaichean an t-saoghail ri dhol ’na aghaidh. Thòisich an crodh ’s na h-eich ’s na caoraich ri faighinn bhàis air. Nam biodh caora air a bàthadh ann an tuilifein ’s a’ mhòintich, dh’fhaoidteadh a bhith cinnteach gu’m bu leis a’ ghobha i; agus nam biodh sùil-chruthaich no bogach ann an àite sam bith faisge air a’ ghleann, dh’ fhaoidteadh a bhith cinnteach gu faighteadh a dhà no trì de spréidh a’ ghobha marbh annta. Rachadh na h-eich aige ann an aimhean far nach éireadh beud do dh’ eich nan coimhearsnach. Ged a dheanadh e curachd mar a dheanadh daoine eile, cha bhiodh cail no toradh a b’ fhiach anns a’ bharr a bhiodh aige air an t-samhuinn. A dh’ aon fhacal, cha robh ni cruthaichte a bhuineadh dha nach robh ’leaghadh air falbh mar an sneachda fo bhlàths na gréine. Fad nam bliadhnachan a bha òr is airgiod aige cho pailt ris na clachan beaga, bha e sior-chur cuid mhath dheth ma seach, air ghaol gu’m biodh pailteas aig a mhnaoi ’s aig a theaghlach an déigh dha fhein an saoghal ’fhàgail. Lion e aireamh mhòr chisteachan leis an òr ’s leis an airgiod, agus chuir e moran dheth ann an sluichd fo’n talamh; ach an uair a dh’ fhosgladh na cisteachan agus na sluichd, cha robh annta ach torradan beag de bhuachar each! Cha bu luaite a thàinig e gu bochdain crannachuir agus gu éis na thòisich a theaghlach ri dhol thun na dunach. Bha iad ro theith air an togaìl, agus cha d’ fhóghlum iad mar bu chòir dhaibh iad fhein a chothachadh anns an t-saoghal. Bha iad gu léir, leasg, lunndach, làn anamiann agus dhroch bheusan. Sgap iad an sid ’s an so air feadh na dùthchadh, agus cha d’ rinn iad fiach frine de chuideachadh le ’n athair no le am màthair riamh. Bha’n gobha agus a bhean mu’n d’ fhàg iad an saoghal, cho bochd dhe ’n t-saoghal, agus cho breoite ri dithis air an cualas riamh iomradh. An uair a dh’ eug a bhean cha robh aig a’ ghobha ach a bhith ’falbh o dhorus gu dorus ’na chripleach truagh ag iarraidh na déirce. Cha robh de’n aodach air ach gann na bheireadh a’ phoit bhar an teinc. Mar bu shine ’s mar bu truaighe a bha e ’fàs is ann bu mhiosa a bha a nàdur a’ dol. Cha robh beannachd Dhé no dhaoine air a cheann, agus o’n a bha e gun charaid, gun ghaolaich, gun duine leis am bu truagh e, is gann a bha duine anns an àite a bheireadh, le toil, fasgadh na h-oidhche dha. Mu dheireadh fhuaradh a chorp marbh ann an seann tobhtaidh. O’n a bha fios aig muinntir an àite gu robh e ann an co bhainn ris an “droch-fhear” cha d’ thug iad a dh’ urram dha gu’n do chuir iad ciste is anart m’a chorp an uair a chuir iad fo’n talamh e. Cha mhò na sin a chunnacas iomchuidh àite a thoirt dha chorp anns a’ chladh. Thilgeadh ann an slochd e an àite eiginn iomallach faisge air bruaich na h-aimhne. An uair a dh’ fhág e an saoghal chaidh e ball-gacha-direach a dh’ ionnsuidh an droch àite; oir bha fhios aige nach fhaodadh e ’aghaidh a thoirt air nèamh. An uair a ràinig e an dorus, cò choinnich e ach a sheana charaid, an “droch-fhear.” “Thainig tu mu dheireadh le do làn thoil fhein,” ars’ esan. “Nan d’ fhuair mi mo thoil fhein cha d’ thainig mi fhathast. Olc ’s mar a bha mo shuidheachadh o’n là a chunnaic mi thusa mu dheireadh, tha mi cinnteach nach bi mo shuidheachadh dad ni ’s fhearr fo do riaghladh-sa,” ars’ an gobha. “Cha ghabh mise a steach an so idir thu. Cha ’n ’eil do leithid eile an taobh a staigh de chrìochan mo rioghachd. Tha mise a’ fadadh teine nach mùchar a chaoidh ann ad’ bhrollach, agus tha mi ’g òrduchadh dhut tilleadh air ais a dh’ ionnsuidh na talmhainn, agus a bhith ’g imeachd sìos is suas air an talamh gu latha bhreitheanais. Cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad. Bidh do thriall air an talamh air feadh a h-uile àite a’s fluiche ’s is ìsle ’s is ùdluidhe ’s is reamhalta na cheile. Agus bidh tu ’na do chulaidh-ghràin dhut fhein agus ’na do chulaidh-eagail do gach creutair beò a chi thu.” A réir beachd nan Eiriannach so mara thàinig an “Teine Mòr” (will o’ the wisp) gu bhith air fhaicinn air an talamh. Tha mi ’smaointean nach biodh e as an rathad beagan fhacal a ràdh mu thimchioll an dà ur-sgeoil so. Tha mòran ’s an dùthaich a tha deas gu bhith ’faotainn beum do gach sgeul dhe ’n t-seòrsa. Their iad nach ’eil e a chum feuma sam bith a bhith ’cumail naigheachdan de ’n t-seòrsa so air chuimhne; do bhrigh nach ’eil duine sam bith anns am bheil gliocas agus tùr a bheir creideas no geill dhaibh. Cha ’n ’eil mise a’ toirt creideis no geill dhaibh ni ’s mò na duine eile; ach air a shon sin tha mi ’meas gur airidh iad air a bhith araon air an cumail air chuimhne, agus air an aithris, do bhoigh gu bheil tomhus mòr de dh’ fhiosrachadh agus de ghliocas air fhilleadh a steach annta. Is fheairrde gach neach leis an aill fiosrachadh ’fhaotainn fios a bhith aige air na beachdan a bha cumanta ann am measg an t-sluaigh ’s an àm a dh’ fhalbh. Is e so aon de na dóighean air am faighear a mach seann eachdraidh nan Gaidheal. Am fear a tha aineolach air na seann naigheachdan, air na seann òrain, agus air na sean-fhacail, tha a ann an tomhas mòr aineolach air seann eachdraidh a dhùthchadh. An Gaidheal a tha aineolach air seann eachdraidh a dhùthchadh is gann is urrainnear fior Ghaidheal a ràdh ris. A réir mo bhararl-sa tha mòran (Air leantuinn an taobh 7.) [TD 228] [Vol. 3. No. 29. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 19, 1895. Tha ’n geamhradh a’ cur gu cruaidh ris an luchd-oibreach anns na bailtein mora. Tha moran dhuibh nan tàmh le cion oibreach, agus a tha moran eile nan tàmh le ’n coire fhèin. Ann am Montreal, chruinnich iad au la roimhe, ag iarraich air luchd riaghlaidh a bhaile obair a thoirt dhaibh gus an cumail o ghort. Ann an Brooklyn, N. Y., tha moran de luchd-oibreach a mach a’ diùltadh obair a dheanamh, agus a’ bagradh cron a dheanamhair duine sam bith a théid a dh’ obair ’nan àite. Tha obair gann gu leor air a’ gheamhradh so, ged nach biodh daoine ’ga tilgeadh air falbh. ’S fhearr gu mor oibreachadh air tuarasdal beag na gun a bhi ’g obair idir. Cha’n iad na nithe a ta sinn a’ sealbhachadh, no na nithe nach ’eil sinn a’ sealbhachadh a mhéudaicheas, no a lughdaicheas ar sonas fein. Is e a bhi ’g iarraidh barrachd na tha againn, agus a bhi ’gabhail farmaid riusan aig am bheil barrachd, a ta milleadh sith ar n-inntinn, agus a’ tarruing truaigh’ oirnn mu dheireadh mu dheireadh. Cha mhaith an suaimhneas sin a dhruideas an fhìrinn a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn laimh air laimh, is coir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanaich an àite suaimhneis. A Framboise. Tha ’n t-side a fuireach glé bhlàth fhathast. ’Sann tha daoine a’ smaoineachadh nach tig fuachd na sneachda am bliadhna. Cha ’n eil teagamh gu’n iarraimid moran fuachd, ach mur tig sneachda ’s docha nach bi sinn uile gu léir tolichte. Tha ’n àireamh a’s mo ’san àite so ro thoilichte gun deachaidh Mr. Mathannach a thagadh na fhear pàrlamaid, oir tha e na dhuine beothail, tapaidh, agus na dhuine aig a bheil math a dhùthchadh an comhneidh ’na bheachd. Cha’n eil an Teachdaire gruamach a’ deanamh dearmad air an àite so seach àite eile agus sin gun mhoran rabhaidh roi a theachd. Air an latha mu dheireadh de’n bhliadhn a dh’ fhalbh, chaochail Mairearad, bean Dhomhnull ’ic Fhionghain. Cha robh ach mu dha uair de thim eapar i bhi ’g obair air feadh a’n tighe agus i bhi marbh; dh’ fhág i fear agus clann og lag na deìgh. A rithist air an ochdamh latha de’n mhios so chaochail Anna M., nighinn do Dhomhnull K. Mac Leoid an deigh dhi bhi tinn ach beagan làithean. Bha i da bhliadhna deug a dh’aois. Tha co-fhaireachduinn againn ris na teaghlaichean ud na’n dubhachas. Sud an Teachdaire nach dean leth bhreth air an uachdaran nis mona air a neach is isle. Tha moran de dhaoin’ og an àite so a deanamh ullachadh air son tighean comhnuidh a chur suas dhaibh fèin. Tha e air a ràdh gur comharra ciunteach air teachd an t-samhraidh na h-eoin a bhi ’togail nan nead; agus saoilidh sinn gur comharra cinnteach air a phosadh na daoin og a bhi ri leitheid sud de dh’ ullachadh. ’S ma tha ’n comharra ud fior, rud tha sinn an dochas gu bheil, tha sinn a’ guidhe soirbheachadh math dhaibh, agus an dochas gu’m bi iad na meadhon air na seana-ghillean a chur a thoirt sgairbh a creagan dhaibh fein mas fas iad cho sean ’s gum bi iad an cumart a dhol car mu char leis a chreig. CEANN LIATH. 11, 1, ’95. Anns gach truaighe far am bheil athleasachadh comasach, biodh mi-fhoighidinn air a seachnadh, do bhrigh gu’m bheil i a’ call agus a’ caitheadh na h-ùine sin ann an gearainibh a bheireadh le buileachadh ceart an t-athleasachadh sin mu’n cuairt. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC OR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sid. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 229] [Vol. 3. No. 29. p. 5] NAIDHEACHDAN. Cha d’ fhuaireadh sgeul riamh fhathast air an nighin bhig, Roach, a chailleadh aig a Mhéinn Uir latha na Bliadhn’ Uire. Cha’n eil fhios dé dh’ éirich dhi ’s cha’n eil dòigh air fhaotainn a mach. Bha crith-thalmhainn bheag aca anns an taobh an Iar de Nova Scotia mu dheich uairean oidhche Di-sathairne s’a chaidh. Cha d’ rinn i cron sam bith, ach rinn i fuaim mòr mar gu’m biodh carbadan a ruith air rathad cruaidh. Tha àireamh mhòr a’ cur a stigh paidheadh a phaipeir gach seachdain. Bi’dh an ainmean uile anns a’ phaipeir a thig a mach air a’ cheud sheachdain dhe’n earrach. Tha sinn an dòchas gu’n tig moran tuilleadh a stigh gus a dhol nan ceann roimhe sin. Bha duine stigh againn a bhòn-de a gabhail a MHAC-TALLA as ùr an deigh dha sgur ’ga ghabhail aig toiseach na bliadhna. Shaoil leis gu’m b’urrainn dha deanrmh as aonais air a bhliadhna so, ach dhuth-dh’ fhairtlich air. Ma gheobh duine blasad air rud math aon uair, cha ghabh e cumail uaithe tuilleadh. Chaidh sabhal le fear Iain Heelen ann an Ceap Nòr, a losgadh gu làr aon oidhche o chionn ghoirid. Chaidh an tigh aige ’na theine aig an aon àm, ach fhuaireadh a chur as. Chaidh am priosan, a bh’ air a thogail ùr o chionn ghoirid a losgadh oidhche Nollaig. Tha iad a’ deanamh mach gu’m bu daoine chuir an teine ris. Chaidh duine bochd a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Glace Bay oidhche Chiaduin. Chaidh na carbadan thairis air. Cha robh fhios gu’n do thachair a leithid gu maduinn an ath latha, ’nuair a fhuair an fheadhain a bha ’g amharc thairis air an rathad a chorp. Cha chuala sinn ceart ciod a b’ ainm dha. Tha ’n geamhradh anabarrach briagha. ’S ann tha cuid a’ gearan gu bheil e tuilleadh us briagha. Cha’n fhacas ach glé bheag de shneachda o’n thainig e, agus tha’n deigh a cheart cho gann. Tha ’n acarsaid gun reothadh fhathast, agus tha ’m bàt-aiseig a’ deanamh a tri turuis ’san latha cho riaghailteach ’sa bha i am meadhon an t-samhraidh. Tha soitheach smùide mòr a stigh an drasda ’g iarraidh luchd guail, rud nach fhacas an Sidni glé thric mu’n ám so ’n bhliadhna. Di-sathairne ’sa chaidh, ranaig a cheud charbad-iaruinn baile Louisburg. ’S iomadh uair a chaidh a ghealltuinn, agus ’s iomadh uair a bha dùil ri fhaicinn a ruigheachd. Cha robh ’n fheadhain a bha ’ga ghealltuinn roimhe so ach “mar mhagadh,” ach air an turus so tha e coltach gu robh ’n gealladh air a thoirt “dha cheart da-rireadh,” Bha Whitney, Mac Iain, Mac Gillfhinnein, Pearson, agus grunnan eile de luchd-riaghlaidh an rathaid air bòrd, agus chuir luchd-àitich “Seana Bhaile Mor nam Frangach” fàilte chridheil orra. Tha iad an dòchas, mar tha sinn féin cuideachd, gu’n tig soirbheachadh mor air a bhaile ri linn an eich-iaruinn. Bha stoirm mhòr shneachda ann an Sasuinn Di-sathairne s’a chaidh. Bha na citheachan ann an ioma àite cho domhain ri da throigh dheug. Bha na carbadan uile air an cur ’nan tàmh, agus fad latha no dhà cha robh doigh air gluasad taobh sam bith. Chaidh fear Seumas Miller a mhuinntir an eilein so a mharbhadh air bòrd soithich ann an Takoma, Washington, o chionn ghoirid. Bha e ri saoirsneachd air bòrd an t-soithich agus thuit e bhar fáraidh ’s bha e air a ghoirteachadh cho dona ’s gun do chaochail e an ceann beagan uairean. Rugadh e ’sa bhliadhna 1839. Bu mhac e do’n Urr. Uilleam Miller, a’ cheud mhinisteir a tháinig riamh do Mhabou. Tha cùisean gun a bhi ’dol dad na’s fhearr ann an Newfoundland, agus tha e gle choltach gu’m bi iad mar sin a cheud-treis. Tha ’n sluagh anabarrach bochd, agus tha iad a’ gearan gu mòr air an luchd-riaghlaidh, ged nach eil iad sin moran na’s comasaiche air gnothaichean a leasachadh na iad féin. Tha Banca Mhhntreal an deigh oifig fhosgladh ann an St. John’s, agus an deigh suim mhor airgid a thoirt ’an iasad do’n luchd-riaghlaidh. Tha iad an dòchas gu’n dean an t-airgiod sin fuasgladh mor air an dùthaich. Duan Le Oisein. ’S luàineach mo chadal an nochd Ge beo mi fhein, cha bheo mo thlachd; Mo chridh air searg ann am uchd, ’S trom dubhach m’ inntinn gu beachd. ’S anns an àraich an so shios Tha bhean is meachair mhin ghil cruth; Deud air dhreach cailce’ na beul, Bu bhinne na tèud chiùil a guth. Mar chobhar an uisge ghloin, Mar shlios eala ri uisge mear; Glan leug mar an cathadh cuir, Dh’ fhag thu mi gun chobhair a’ d’ dheigh, Slat ùr nam fàinne fionn, Bean is mine, mhóghair sùil; ’S a gruaidh mar an caorrann dearg, Air lasadh mar dhealbh an ròis. Meoir fhionn air bhasaibh bana, Uchd soluis is aillidh snuadh; An gaol a thug mi dhi, ra luaidh Ochain nan och’, s cruaidh an càs; Cha dirich mi aonach no beinn, Mo cheum air a lagadh gu trom; Aithear cha d’thig air mo ghnùis, Gus an dean an ùir mi slan. Mar ghrainne mullaich na déis, Mar ghallan san òg-choille fos, Mar ghrein ri folach nan reull, Bu tu fein am measg nam mnà. Tha ’n duine sin saibhear aig am bheil deagh nàdar, a tha do ghnàth càirdeil, foighidinneach, aoibhneach, dochasach, agus a ta ’g a ghiùlan fein gu suibhear a thaobh nan uile. Cha mho a dh’ fhoghluimear fior chreideamh á leabhraichibh, na dh’ fhoghluimear seoladaireachd, no saighdearachd, no innleachdaireachd, no dealbhadaireachd, no ceaird, no ealaidh sam bith eile as da. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 230] [Vol. 3. No. 29. p. 6] Am Ministear Sanntach. Bha ministear uair air ceann sluaigh ann am paraisde àraidh ’an Alba, a bha cho mi-thoilichte le chrannchur ’s nach robh ni air an leagadh e ’shùil nach miannaicheadh e aige féin. Bha e fuathsach sanntach, eadhon air nithibh nach gluaiseadh smuain dhe ’n t-seòrsa sin, ach ann an cridhe duine ainneamh. Dearbhaldh an sgeul a leanas a chùis a bhi mar sin. Air dha bhi air a chuairt àbhaisteach a’ fiosrachadh nan teaghlaichean a bha fo ’chùram, thàinig e gu tigh bantraich a bha fuireach ann an àite aonranach, monadail, ’an iomall a choithionail. ’N uair a bha e tacan a stigh, thug e an aire do phoit bhig, iaruinn, a thachair a bhi aig an àm an oir an teine, lán de bhuntàta ’chaidh a bhruich air son dinneir na cloinne ’nuair a thigeadh iad dhachaidh as an sgoil. Thòisich e air moladh ’na poite. Cha’n fhac’ e poit riamh cho cumadail ’s cho snasail rithe air a h-uile dòigh. Cha robh poit eile ann an Alba ’thigeadh suas rithe ann an dòigh air bith. Bha leithid de bhuaidh aig na labhair e air a bhantraich ’s gur h-ann a thuirt i,—“Ma ta, a mhinisteir, ma tha ’phòit a’ córdadh ribh cho fior mhath sin, tha mi ’guidhe oirbh gu’n ceadaich sibh dhomh a cur do’r n-ionnsuidh do’n Mhanse. Tha poit as modha na i againne ’tha na’s freagarraiche mar a’s trice air son ar feuma. Cha chosg i dad dhuibh. Cuiridh mi null i ’sa mhaduinn le Seumas beag ’nuair a bhios e ’dol dh’ an sgoil.” “O,” ars’ am ministear, “cha cheadaich mi dhuibh a dhol gu leithid sin de dhragh idir, ach seach gu bheil sibh cho math ’s gu bheil sibh ’ga toirt dhomh, giùlainidh mi fhéin dhachaidh i ’na mo làimh. Tha uidhir a dh’ ùigh agam innte ’s gur fearr leam gu mòr mi fhéin ga’ giùlain.” Air falbh dhachaidh ghabh e, a phoit greis ’na làimh ’s greis ’na achlais mar bu shocaire gheobhadh e i. Gu mi-fhortanach, bha n latha blàthl, an rathad fada, agus am ministear reamhar, tri nithean a dh’ fhàg glé sgith e mu’n robh e leathach na slighe. ’N uair a bha e mar so air a chlaoidh ’ga giùlain air a chliathaich car ùine, smaoinich e na’m biodh i air a cheann nach biodh i cho trom. Bha an fheallsanachd nàdarra dh’ ionnsaich e ’nuair a bha e òg a’ teagasg a chùis a bhi maa sin. Cha robh e fada ’cur na smuain an gniomh. Chuir e phoit mar chlogad m’a cheann, ’s le aid na làimh, ghabh e gu sunntach air adhart. Leis an innleachd so fhuair e comhfhurtachd agus faothachadh mòr, ach gidheaeh cha robh a thrioblaid ach air tòiseachadh. Air son e fhéin a chumail bho shùil luchd-gabhail an rathaid mhòir, ghabh e frith-rathad aithghearr troimh na h-abhaidhean, ach mar bha ’n tubaist an dàn dha, thainig e air olais leathainn, eadar dà achadh, air nach b’ urrainn d’a dhol seachad gun cruinn-leum math a thoirt as. Leum e; ach an deachaidh leum do’n dorcha thoirt riamh coltach rithe? Leis a chriothnachadh a fhuair a bhodhaig anns an tearnadh, ann am priodadh na sùla, bha tiugh-dhorchadas na h-Eipheit m’a thimchioll. Mur d’ ràinig a cheann màs na poite, ’se gu’n do choinnich a beul a ghuaillean an toiseach bu choireach. Cùis bu mhiosa air fad; an t-sròn a leig sios i cho sgiobalta, ionga cha leigeadh air ais i, dh’ aindeoin gach deuchainn a chleachd e. An robh ministear riamh ’na leithid de chàs? An do dhall duine air bith—gun tighinn air ministear—a dha shùil cho buileach bho sholus a mheadhon-latha? Ciod idir a ghabhadh deanamh? Bha ’n t-àite aonaranach, an t-slighe doirbh agus cunnartach, cuideachadh bho cho-chreutair fad air falbh, eadhon do-ruigsinn. Bha e eu-comasach dha glaodhaich air son cobhair, agus ’ged a bhiodh e comasach, cha ruigeadh an glaodh troidh na b’ fhaide na dha chluais féin. Bha cho doirbh ’sa bha e dha ’anail a thasruìng a’ leasachadh ’an-shocair, agus ’an-shocair air a h-an-tromachadh le teas na gréine a’ bualadh air màs na poite. A’ gabhail beachd air a h-uile doirbheadas a bha air tuiteam air, bha e glé choltach, mur cuireadh freasdal math cobhair ’na rathad ’an ùine ghoirid, gu’m biodh bàs anns a’ phoit. Ach feuchaidh an neach a’s deiseile tha air son am bàs a choinneachadh ri ’sheachnadh cho fad ’s is urrainn dha. Tha an ceangal so ris a bheatha ’tha làthair ag aobharrachadh barrachd ’sa bhitheamaid deònach earbsa riutha de sheasmhachd inntinn ri uchd cruaidhchais, ann am muinntir aig a bheil, gu nàdarra, cinn gle thiugh, agus buadhan inntin car maol. ’S ann mar sin a thachair a thaobh an neach a bha ’n so. Air a chur thuige le iomadh dòruinn, chuimhnich e gu robh ceardach mar fhaisg mhile air, agus na’m b’ urrainn e ’ga ruigheachd mas biodh e air a mhort, smaoinich e gu faodadh e bhi gu faigheadh e fuasgladh. (Ri leantuinn.) An Garbh Mac Stairn. Dh’ imich Garbh mac Stairn a dh’ fhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn san àm sin ’na athighedas samhraidh am Buchanti. Nan turus d’a ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agus caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisiche agus gach fear a thachair ’nan còir. Ann an gleaun na’n cuach agus nan lòn, chunnaic iad bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dh’ iarr deoch; dh’ éirich ribhinn a b’ àluinne snuadh a dh’ fhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhoibh ri itheadh, deoch ri h-òl; dh’ iarr sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a sùil an Garbh borb, agus dh’ innis cia as doibh. “Thainig sinn o thir nan crann, far an lioumhor sonn—mac righ Lochlainn mise—m’ ainm Garbh nam b’ aill leat, esan Dual, o thìr nam beann, a thùinich an Albainn o thuath—a ghabhail càirdeas gun sgàth o’n àrd righ Fionn; sud fàth ar turuis a chiabh na maise—ciod am bealach am buail sinn? seòl ar cos gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, is gabh duais.” “Duais cha do ghabh mi riamh,” ars an nighean bu bhlàithe sùil, s bu deirge gruaidh; “cha b’ e sud àbhuist Fheadhaich nam beann éilde, gam bu lionmhor daimhich ’na thalla, ’g am bu tric tathaich o thuath—ni mise dhuibh iùl.” Gu gleannsith thàrladh na fir: gleann an tric guth féidh is loin; gleann nan carn is n’ an scor; gleann nrn sruth ri uisg is gaoth. Thachair orra buaghar bhò, is rinn dhoibh uìl; thug dhoibh sgeul air duthaich n’an creag, air fir agus mnaibh, air fàs shliabh agus chàrn, air neart feachd, air rian arm, air miann slòigh, agus craobh-thuinidh nam Fiann. Feuch nach toir thu do bharail mu ni sam bith air am bheil thu aineolach, gu sonraichte ’n an lathair-san aig am bheil deagh eòlas air. Mur bi e an comhnuidh ’n a d’ chomas labhairt gu ceart mu’n chùis, tha e gu cinnteach ’n ad chomas fantuinn ’n ad thosd. Ged tha cuimhne aig na miltibh air an lonais agus air an sgeilmearachd fein, is tearc iad aig an robh aobhar aithreachais air son fantuinn nan tosd. [TD 231] [Vol. 3. No. 29. p. 7] gliocais air ’fhilleadh a steach anns an dà sgeul so. Anns a’ cheud aon tha cunntas againn air nighinn a bha rag, reasgach, agus eas-umhail do phàrantan, agus air màthair a bha cho beag de ghràdh nàduir ’s gu ’n d’ rinn i droch ghuidhe d’ a h-ighinn. Cha n ’eil e ’na ioghnadh sam bith ged a chaidh an nighean a dhìth, agus ged a tha ’màthair fo dhroch ainm gus an latha ’n diugh. Tha ’n sgeul mu ’n ghobha ’bha ’n Eirinn gu soilleir a’ teagasg dhuinn, nach urrainn crìoch mhath a bhith air duine sam bith nach toir oidhirp air tighinn tromh ’n t-saoghal le dichioll, le firinn ’s le onair. Is iomadh dòigh anns am faod duine beairteas a dheanamh, agus inbhe àrd is mòr-urram fhaotainn dha fhein ’s dha ’theaghlach; ach an duine a gheibh na nithean so le dhol ann an co-bhainn ris an olc, faodar a bhith cinnteach nach bi beannachd Dhé no dhaoine, no soirbheachadh sam bith aige fhein no aig a theaghlach air a’ cheann mu dheireadh. Minard’s Family Pills, glan, fallain. Leighisoadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Suidhich d’ inntinn fein gu stoldta air na chaidh seachad, ma’s miannach leat na nithe a ta chum teachd a thoirt gu ceart fainear. Air son nam biastan—Cherokee Vermifug. Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith. Cherokee Vermifuge air son nam biastan Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 232] [Vol. 3. No. 29. p. 8] ORAN Do Dhomhnall Ban Mac Dhomhnill Duibh, Tighearna Lochiall. LEIS AN TAILLEAR MAC ALASDAIR. So deoch slainte mo ghaisgich, ’S coir a faicinn ga lionadh, Is a cumail an cleachdadh Mar dheagh fhasan da-rireadh. ’H-uile fear leis nach ait i Fagam e-san an iotadh; Bhi ga h-ol gur h-e b’ annsa Ma ’s a branndidh no fion i. Ma ’s a branndidh mhath chruaidh i, Druid an nuas i gu ’feuchinn, Gus an cuirinn lan cuaich dhi A suas fo chlar m’ ludinn. ’S olc an obair do chaìrdean Bhi mi-ghradhach mu ’cheile; Do gach fear leis an aill i, So deoch-slainte nan reubal. Is a Dhomhnill oig Abrich, Do shlaint’ faiceam mu ’n cuairt i; ’S tu ’n t-og firinneach smachdail, Nach robh tais an am cruadail. ’S beag an t-ionghnadh an t-ardan Bhi gu h-ard ann ad ghruaidhean, Is a luithad fuil rioghail A tha sioladh mu d’ ghuaillibh. Gur a lionmhor fuil fhrasach ’Th ’air a pasgadh fo d’ leine Bho shliochd iomraideach Chairbre, ’Bha gu h-armailteach, treubhach, Le an sgiathibh breac dubilt’ Is le ’n luirichean reidhe, ’N am dhaibh dol ann san iomirt Cha b’ e tilleadh bu bheus daibh. Gur a lionmhor do chairdean Ann an Albinn ri ’m feuchinn; ’S car thu ’dh-oighre na Dreallinn, ’S do shir Domhnull a Sleite, Do Mhac-Shimi nam bratach, Nach robh tais an am feuma; ’S gum biodh Eoghan og Chluainidh Is a shluagh leat gun eiradh. Lath’ a bhlair ’bha ri Halaidh Dh’ fheuch sibh tàbhachd mar bhuidhinn, ’Nuair a thionndaidh na naimhdean ’Nan si rangan ’sa bhruthach. Dhuit cha b’ iomrall an cruadal Ghlac thu ’n dualchas bu chuibhe; ’Nuair theann do chinneadh ri cheile, Ghabh na beistean mu shiubhal. Cha b’ e suibhal na slainte ’Bhr aig a ghraisg ud a teicheadh; ’S iomadh fear cota madair Chaidh ’san araich a leagail. B’ iomad slinnein gun ghualinn Agus cnuac bha gun leith-cheann, Le luths nam fear laidir, ’Ghabh an t-ardan gun eagal. ’S mairg a tharladh ruibh crasgach An am tachirt ri namhid; Is mo ghaol s’ air an toiseach, Craobh chosgirt a bhlair thu. ’Nuair a thogteadh do bhratach Le fir ghasda neo-sgathach Le trein bhuillean an treun lamh Bhiodh luchd-Beurla ’s an araich. Cairbre, Cairbre Riada no Ruigh-fhada, a bha na righ an Dailriada an Eirinn eadar 220 agus 258 A.D. Oighre na Dreallinn, Mac-Gilleain Dhubhairt. Halaidh, Seanaileir Hawley, a bha air ceann nan Deorsach latha blar na h-Eaglise Brice. Bha coir aig Domhnull Bàn Lochiall air a deas anns a bhlar. B’ e Eoghan Dubh Lochiall—an t-Eoghan a thug an sgornan as an t-Sasunnach le fhiaclan—a sheanair; agus b’ e Eachunn Ruadh—an t-Eachann carchaichte—a thuit ann am blar Ionarcheitein brathair a sheanathar. Tha e air a radh gu bheil cuid de shliochd an Tailleir Mhic Alasdair an Ceap Breatunn. Co iad? ALASDAIR. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. An S. S. Arcadia, THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir [TD 233] [Vol. 3. No. 30. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 26, 1895. No 30. Litir a Strathalba. DO’N MHAC-TALLA,—Mur eil mi car beag anmoch, ceadaich dhomh fàilte na bliadhn.’ Uire ’chur oirbh fhéin agus air ’ur luchd-leughaidh—mo luchd-dùcha gaoil—anns gach àite de ’n t-saoghal anns am bùl iad. Sinn a tha ’n comain an Fhir-dheasachaidh, am fior Ghàidhel, a shuidhich paiper Gailic ’nar mearg, leis am beil cothrom again air eòlas fhaotainn air cach a chéile nach biodh againn gu bràth mur biodh e ann. ’S math an naidheachd a thug thu dhuinn air an t-seachduinn s’a chaidh gu bheil de chàirdean a’ dol an lionmhorachd. Bha dòchas agam o’n cheud latha chunnaic mi MAC-TALLA gun robh de dhilseachd nar measg na chumadh suas e. Tha e fior gu leòr nach faigh thu dad nis tarbhaiche, bho chuid na sodal beòil, rud nach cosg dad daibh, ach taing do’n Fhreaisdal, cha’n’eil iad uile mar sin. ’S mòr an t-adhartas a thàinig air MAC-TALLA bho’n chunnacas an toiseach e. Tha e, a reir mo bheachdsa, a tighean air adhart gach latha. Tha e toirt caochladh nithin, nuadh is sean, duinn gach seachduin, gu bhi freagairt do chàil gach seòrsa luchd-leughaidh. Ach aon ni air son am beil e ri mholadh—cha’n eil facal ri fhaicinn ann a dhùsgadh smuain shuarach no thruaillidh ann an inntinn neach air bith. Tha thu fhéin agus sinne an comain do luchd-cuideachaidh a tha sgriobhadh cho taitneach a d’ ionnsaidh as gach cearn. Tha mise ag aideachadh mo dhearmaid. Ach cha’n e cion suim is coireach ach an fhior chabhag. Cha’n eil mi fàs sgith no coma dhiot. Tha sinne an Eilean a Phrionnsa air dol a nise d’ar cairtealan geamhraidh. Tha ’n carbad-iaruinn ’ga ghabhail air a shocair seach mar bha e ’n tim an t-samhraidh. Tha Bàtaichean-smùid an t-samhraidh air gabhail mu thàmh. Tha sinn mar sin ann an tomhas air ar gearradh air falbh o’n chuid eile de ’n t-saoghal. Ach ged a tha, tha saoghal beag againne dhuinn fhèin. Agus an uair a bhios sibhse air taobh eile an uisge ri tartar mòr anns an t-saoghal mhór agaibh fhèin, bidh sinne ri tartar beag ’nar measg fhéin. Mar sin cha’n eil sinn cho dona dheth ’sa shaoileas sibh. Tha bhliadh’ ur a’ cur nar cuimhne gu bheil tìm a’ ruith agus nach e so baile a mhaireas. Gu’n robh a’ bhliadhna so na bliadhna mhath dhuinn uile anns an t-seadh a’s àirde. ’Se sin guidhe dhùrachdach ’Ur caraide dìleas C. C. Strathalba, P. E. I., Ian. 14, ’95. A MALAGAWATCH. Tha mi ’cur thugad dolair anns an litir so air son bliadhna eile de d’ phaipear gasda Gàidhealach. Tha mi ’ga fhaotainn o chionn da bhliadhna, agus gu dearbh, cha’n eil mo shùil an déigh na chosg e dhomh. Mu’n do thòisich mi air fhaotainn, a chionn nach robh mi ’nam sgoileir math Beurla, cha robh na paipearan gallda ach air glé bheag sùigh dhomh; ach tha mi nis air meòr-thaing; faodaidh mi naigheachdan na dùthcha a leughadh ann an cainnt a’s fhearr blas. Tha roinn de mhuinntir an àite so a gearan cnatain, ach o’n tha ’m faoil’each air tighinn, cha chreid mi nach tilg iad uap’ e. Tha seann duine cóir anns a choimhearsnachd so, Eachunn òg Mac Fhionghain a tha suas ris a’ cheithir fichead, agus an la roimhe, chunnacas e tigh’n dhachaidh le madadh-ruadh a ghlac e ann an ribe. Tha an deigh air tigh’n air na h-acarsaidean a nis, agus tha daoine ’g obair air iasgach na h-easgainn. Tha iad a’ gearan gu bheil i gle ghann. Bha Ioseph Doucette mu’n cuairt an diugh, agus bha e ’gearan nach robh e na shlàinte o chionn da sheachduin agus gu dearbh ’s beag an t-ioghnadh, oir chuir e an deicheamh duine de theaghlach fo’n fhòd air a gheamhradh so. Bha aon duine deug de theaghlach aige, agus cha’n eil beò an diugh ach aon duine. Tha Calum Mac-an-Tòisich, a bha tinn o chionn faisg air bliadhna, air a dhol gu math am feabhas. Tha mar an ceudna bantrach Lachuinn Dhomhnullaich, màthair an Urr. A. I. Domhnullach, Bhaile-nan-Gall, a bha tinn o’n Mhart s’a chaidh a’ dol na’s fhearr. Air eagal gu’n toir mo litir tuilleadh ’sa còir de rùm a mach, bidh mi aig an am so a’ gabhail slàn leat. Do bhan-charaide dhileas, P. D. Air Lic. Tha an sgriobhadh maiseach a leanas air lice-lighe araidh ann an Gaidhealtachd na h-Alba, agus is airidh e a bhi air a chumail air chuimhne. Bha e air a ghearradh a mach ann an litrichibh mor agus soilleir. So agabh, uime sin, na briathran:— “Feuch! fo’n chloich so, tha ise ’na sineadh san duslach, bha millis, malta ’na giulan. Tha a cuimhne ’gam lionadh le bron. Och! tha teangadh a’ Chiuil ’na tosd, agus tha lamh an Eireachdais a nis aig fois. Cha ghuidh am bochd ni’s mo a bheannachd ort, agus cha chomhdaichear an lomnochd ni’s mo le rusgaibh do threud! Cha tiormaich thu tuilleadh na deoir o shuilibh nan daoinibh doruinneach agus truagh! Sibhse a ta diblidh agus fann, c’ ait a nis am bheil bhur cuideachadh gnathaichte! O! thusa a b’ ionmhuinn am measg bhan, cha chomhlaich sinn thu tuilleadh ni ’s mo ann an talla na feil e, agus cha suidh sinn sios gu brath aig bord do chuirme aoibhnich. Air falbh am feasd tha fuaim an t-sugraidh agus a’ ghairdeachais. Ochan! cha mhaireann ni’s mo ise a bha suairce, agus maith, caomhail agus ceanalta! Co da’n comus ar n-amhghar a chur an ceill? Co a’s urrainn a luaidh? Silibh gu bras, silibh, silibh a dheuran a’ bhroin!” [TD 234] [Vol. 3. No. 30. p. 2] SAOBH-CHRABHADH ANNS NA H-INNSIBH. Is ceart a thubhairt an Salmadair gu ’m bheil “Aitean’ dorcha na tire làn de ionadaibh-còmhnuidh an fhòirneirt.’ Cha ’n fhaicear fo ’n ghréin tir ni’s maisiche agus ni ’s òidheirce air iomadh seòl na Innsean na h-Aird-an-ear; gidheadh, cha’n ’eil tir eile ann, feudaidh e bhi, far am bheil nithe ’g an deanamh a ta ’nochdadh truaillidheachd nàdair an duine air mhodh ni ’s soilleire agus far am bheil nithe ’g an deanamh a ta ni’s leòir chum gach neach aig am bheil an comus, a dheachdadh le dichioll agus deagh dhùrachd, gu cur as do ’n t-saobh-chrabhadh sin leis am bheil na h-Innseanaich air an toirt co cianail air seacharan. Tha ’n dùthaich féin àillidh gun teagamh. Tha gach ni air muir agus air tir, mar gu ’m b’ ann ag oibreachadh le cheile chum gach eòlas agus toilinntinn a bhuileachadh air an luchd-àiteachaidh. Thairis air an dùthaich fhad’ agus fharsuing sin gu léir tha ghrian a’ soillseachadh le toirbheartas ro tharbhach, agus a’ toirt air gach ni ann an nàdar a bhi aoibhneach ann an àilleachd a soluis dealraich. An sin, feudar a radh gu’m bheil uile chraobhan na machrach a’ bualadh am basan, agus na glinn a’ deanamh gairdeachais air gach taobh. Tha gach ni a’ cur an céil glòire an Ti bheannaichte a ta ’riaghladh os an ceann, agus a’ toirt gu cuimhne, ann an seadh, dealbh-choslas nan ionad sin far an do ghluais ar ceud sinnseara gun truaillidheachd ann am pàrras. Ach, mo thruaighe! anns a’ cheart tir sin, air an do bhuilich an Ti a ’s àirde iomadh buaidh urramach, tha nithe cianail ’g an cur an gniomh air an la ’n diugh! Anns an tir sin, a dh’ fheudadh, a thaobh maise, a bhi ’n a gàradh do ’n t-saoghal gu leir, tha clann air an co-éigneachadh gu bhi ’faicinn am pàrantan féin agus pàrantan gu bhi ’faicinn an cloinne féin, a’ dol gu muladach a dhith! Tha so a tachairt, cha’n ann do bhrigh nach ’eil lòn air na h-achaibh, treudan anns a’ mhainnir, agus feudal air na raointibh, ach a’ chionn gum bheil iad air am buaireadh, agus air an co-éigneachadh le saobh-chràbhadh ifrinneach agus air gach seol, ro dhéistinneach, chum bàs eagallach fhaotuinn le lámhaibh aoin a chéile. Faicibh an còmhlan cianail sluaigh ud a deanamh cabhaig fo ghathannaibh teth na gréine gu taobh an t-sruth naomha, agus a’ deanamh grad-sheasamh air a bhruaich. Ach faicibh ciod a tha iad a’ giulam air an guaillibh chum an ionaid far am bheil iad a’ seasamh ri taobh na h-aibhne. So agaibh mic agus nigheana, gu cràbhach, diadhaidh, a’ tarruing air an adhairt an athar no am màthar féin, a bhuaileadh le tinneas, chum gu ’m bi iad air an tilgeadh mar so le ’n sliochd féin do’n doimhneachd mhoir uisge a ta air am beulaobh, far am bi iad gu h-ealamh air am báthadh, air son leas an anama. Grad ghiùlainidh an sruth sios iad far an ithear iad le eunlaith agus le uile-bhéistibh nan uisgeachan! Is eagallach an cleachdadh, so. Tha e co mi-nádurra ’s nach ’eil idir cumhachd aig briathraibh an gniomh oillteil a chur gu freagarrach an céill. Ach faicibh a ris, a’ chruach àrd sin, air a togail suas, air a deanamh de fhiodh tioram, air a sgoltadh as a chéile; agus ciod is ciall do’n tòrr sin? Carson a chàrnadh co cas suas e? Air uachdar chithear air an sineadh taobh ri taobh, corp marbh, breun an athar, agus coluinn bheò na màthar! Tha iad air an suidheachadh an sin gu bhi air an losgadh cuideachd gus am bi iad ’n an luaithre! Buidheachas do ’n Ti Bheannuichte a ta ’riaghladh os ceann nan uile, tha na torran fiodh sin air an cur as anns gach cearnadh de na h-Innsibh a bhuineas do ’n Rioghachd Bhreatuinnich, ach cha ’n ’eil na reachdan uamhasach sin a dhealbh iad air an cur air cùl, ni mo tha ’n spiorad a tharmaich iad air a smàladh as. Na ’m biodh gairdean treun na Cumhachd Bhreatuinnich air a tharruing air ais an diugh, bhiodh air an la màireach mile tòrr a’ lasadh air còmhnardaibh nan Innsean! Far nach ’eil lagh na Rioghachd so a’ ruigheachd, tha ’n cleachdadh gràineil so fathast air a ghnàthachadh mar a b’ àbhaist. Tilgibh bhur sùilean, ma ta air an tòrr chianail sin, air a dheanamh de chuailtibh tiorma agus corp marbh an athar, agus coluinn bheò na màthar ’n an luidhe air ’uachdar. Mu’n cuairt da chithear ’n an seasamh a’ chlann bhochd, thruagh, a’ dil-bheachdachadh air an t-sealladh bhrònach. Ach c’ arson tha iad ’n an seasamh an sin? An ann a dhùsgadh suas truacantais agus co-fhulangais na màthar! Cha ’n ann. An ann chum na lasraichean eagallach a smàladh as le ’n deuraibh? Cha ’n ann. An ann gu gach innleachd a ghnàthachadh chum cuirp am pàranta féin a theasairginn beò no marbh? Cha ’n ann. Ach tha iad ’n an seasamh an sin, chuin, ann an ainm nan dia d’ am bheil iad a’ deanamh aoraidh, gu ’n cur iad an leus teinnteach ris a’ chruaich trid an éirich na lasraichean millteach suas, leis am bheil na creutairean truagh sin air am fàgail ann am priobadh na sùla ’n an dilleachdanaibh gun athair, gun mhàthair, ann an saoghal coimheach, fuar. An comas do chuilbheartaibh na h-ifrinn fein dol ni ’s faide an aghaidh àitheantan agus iarrtais Soisgeul an Tighearn Iosa Criosd? Feudaidh,—oir tha paranta ’s na criochaibh iodhal-aorach sin a ni greim air an cloinn féin, agus chum dia éigin a thoileachadh, a thilgeas a mach iad, aon chuid gu bhi air an itheadh suas le fiadh-bheathaichibh na macharach, no gu bhi air an cagnadh beò, slán, le geur-fhiaclaibh uile-bhéistean a’ chuain. Ach anns na criochaibh iomallach sin, far am bheil gach dichioll ’g a dheanamh leis gach Eaglais ’n ar measg féin chum teagasgan an t-Soisgeil a chraobh-sgaoileadh, tha cleachdadh eile ceart co déistinneach, graineil’ ris na nithibh a dh’ ainmicheadh cheana. Tha e air a dheanamh ’mach, gu ’n do chuireadh, o làthibh Chriosd air an talamh, còrr agus ochd ceud deug mile leanabh-nighinn gu bàs le ’m maithrichibh fein! O’ nach eagallach da rireadh an saobh-chràbhadh sin trid am bheil mortadh co uamhasach ’g a dheanamh le màthairichibh air an cuid cloinne féin, an dùil le sin gu ’m bheil iad a’ ciùineachadh an diathan fein, agus a’ cosnadh an deagh-ghean d’ an taobh. Tha na mathairichean so a’ deanamh mach gu ’m bheil a’ chlann-nighean a’ toirt gach tubaist, donais agus mi-sheilbh a stigh do na teaghlaichibh aca; agus, uime sin, gur e an dleasnas d’ an diathaibh agus dhoibh féin na leanaba sin a ghearradh as eadar bhun agus bhàrr! Gu cinnteach is e so ro mheud gach cumhachd agus bhuaidh a bhuineas do Shàtan, thairis air a’ chreutair bhochd, thruagh sin a chaill iomhaigh a Chruitheir féin, agus a rinn e fèin buailteach do mhearachd agus do sgrios. Is e dleas’nas nan uile a bhi beachd-smuaineachadh air na nithibh so, agus a bhi ’guidhe air an Dia sin, a tha ’riaghladh os ceann nan uile, gu ’n tionndaidheadh e a’ mhuintir shaobh-chràbhach sin o dhorchadas gu solus chum seirbhis a dheanamh dha féin a mhàin. Eireadh na h-uile suas air [TD 235] [Vol. 3. No. 30. p. 3] ball, chum an dleas’nas a dheanamh d’ am fuil agus d’ am feòil féin, agus na fàgadh iad clach gu ’n charachadh chum na criche sin. Tha, agus bha moran de dhaoinibh trenn ’n ar duthaich fein de gach creidimh agus eaglais, a nochd iad fein tairis agus eudmhor chum an soisgeul a chur a dh-ionnsuidh nan cinneach so. Oran Do’n Mhusg. LE DONNACHA BAN. ’S iomadh car a dh’fhaodas tigh’n air na fearaibh, Is theag’ gu’n gabh iad gaol air an tè nach faigh iad, Thug mi fichead bliadhna do ’n chiad té ghabh mi, Is chuir i rithist cùl rium, is bha mi falamh. Is thàinig mi Dhunéideann a dh’ iarraidh leannain, Is thuirt an Caiptin Caimbeul, ’s e ’n geard a’ bhaile, Gu’m b’aithne dha banntrach an àite falaich, ’S gu’n deanadh e àird air a cur a’m charamh. Rinn e mar a b’àbhaist cho mhath ’sa ghealladh, Thug e dhomh air làimh i, ’s am paigheadh mar ri; Is ge b’e bhios a’ feòraich a h-ainm no sloinneadh, Their iad rithe Seònaid, ’s b’e Deòrs’ a seanair. Tha i soitheamh, suairce, gun ghruaim, gun smalan Is i cho àrd an uaisle ri mnaoi san fhearann; Is culaidh a m’ chumail suas i, o’n tha i mar’rium, Is mòr an t-aobhar smuairein do’n fhear nach faigh i, Leig mi dhìom Nic-Còiseam ged’ tha i maireann, Is leig mi na daimh chròcach an taobh bha ’n aire, Is thaobh’ mi ris an òg-mhnaoi, ’sann leam nach aithreach, Cha n-eil mi gu’n stòras o’n phòs mi ’n ainnir. Bheir mi fhéin mo bhriathar gu bheil i ro mhath, Is nach d’ aithnich mi riamh oirre cron am falach, Ach gu foinneamh, finealta, dìreach, fallain, Is i gu’n ghaoid, gu’n ghìomh, gu’n char fiar, gu’n chamadh. Bithidh i air mo ghiùlain, ’s gur math an airidh, Ni mi fhéin a sgùradh gu math ’s a glanadh; Chuirinn ri an t-ùilleadh ga cumail ceanalt, Is cuiridh mi ri m’ shùil i ’s cha diùlt i aingeal. ’Nuair bhios cion an stòrais air daoine ganna, Cha leigeadh nighean Dheòrsa mo phòca falamh; Cumaidh i rium òl anns na tighean-leanna, ’S pàidhidh i gach stòpan a ni mi cheannach. Ni i mar bu mhainn leam a h-uile car dhomh, Cha-n innis i breug dhomh, no sgeula mearachd; Cumaidh i mo theaghlach cho math ’s bu mhath leam, Ged’ nach dean mi saothair no obair shalach. Sgìthich mi ri gnìomh, ged nach d’rinn mi earras, Thug mi bòid nach b’ fhiach leam bhi ann a’m sgalaig, Sguiridh mi g’am phianadh, o’n thug mi ’n aire, Gur e’n duine dìomhain is faide mhaireas. ’S i mo bheanag ghaolach nach dean mo mhealladh, Fòghnaidh i dhomh daonnan a dheanamh arain; Cha bhi fàillnn aodaich orm no anairt, ’S chaidh cùram an t-saoghail a nis’ as m’aire. Comhairlean. Na cuir mor-dhòchas anns an duine sin nach cuir a dhòchas féin ann am muinntir eile. Cha’n ’eile e ’na dhuine eeart. Cha’n ’eile a chridhe glan. Tha’n duine sin aig am bheil àmharas an uilc ’na inntinn a thaobh sluaigh eile, a’ faicinn annta-san, a’ cheart ni’ sin a tha e’ faireachadh ann féin. Do na fior-ghlan tha na h-uile nithe fior-ghlan, ach ceart co cinnteach ri sin, tha na h-uile nithe neò-ghlan dhaibhsan a tha neó-ghlan ’nan cridhe féin. Dean cinnteach à meud do theachd-a-stigh, agus biodh e mor no beag, feuch gun tig thu beo air ni’s lugha, agus ma bheir thu an aire da sin, cha bhi thu a’ chaoidh ann am bochduinn. Ma tha sinn ag iarraidh a bhi ’togail air steigh chinntich ann an càirdeas ri muinntir eile, feumaidh sinn ar càirdean a ghràdhachadh ann an tomhas ni’s mò air an sgath féin, na air sheòl sam bith air ar son féin. Far am bheil ceann air a dheagh-lionadh le gliocas, cha’n eagal da. Gheibh e suaimhneas ge b’e àite d’an téid e, agus sealbhaichidh e tàmh agus fois air ge b’e ciod a’ chluasaig a dh’ fheudas amhghairean an t-saoghail a shudheachadh fo ’cheann. Am Ministear Sanntach. (Air a leantuinn.) Dorcha mar bha e, shuidhich e a chùrsa air an ionad so, ’s le ’aid ’na làimh, smeuraich e air adhart cho faiceallach ’sa b’urrainn da. Uair ’na sheasamh, uair air a mhàgan, ’s uair ’na shìneadh, shlaod se e féin thairis air gach clais us gàradh us droighneach dhe gach seorsa, cho dìreach ’sa b’urrainn dha air a’ cheardaich. Glé thric bi’dh comhlan de dhaoine diomhain cruinn ann an àite mar so, ’s uime sin faodaidh an leughadair a ghabhail a stigh dé ’n luathghair ’s an t-iollach a chaidh suas ’nuair a rainig an duine bochd, le ’aodach reubte, ’s e fann, sgith, gun anail, gun léirsinn. Ach a dh’ aindeoin gach othail us feala-dhà, thug an gobha fa-near gu feumte cobhair a dheanamh air, agus sin gun dàil, air son a bheatha chaomhnadh. Leis gach comharra thug am ministear seachad, thuig fear an ùird gu robh dhìth air a’ phòit a bhristeadh, agus threòirich e dh’ ionnsuidh an innein e, ’s càch na’n sgaoth tinch ioll orra. ’N uair a fhuair an gobha ceann a mhinisteir a shocreachadh air an innein, ghabh e ’n t-òrd mòr ’na laimh. Chuir e ’bheul ri bile na poite, ’s dh’ fheòraich e, “Am toir mi buille làidir dhith a mhinisteir?” Thoir buille cho làidir ’sa thogras tu,” fhreagair am ministear, “’S fhearr buille mu’n leth-cheann na bàsachadh a dhith analach.” Air dha cead fhaotainn mar so, dh’ fheuch e buille mhath, throm, air a’ phoit, ’s bhrist e na mirein i, mar a bhristeas an còcaire slige giomaich gun chron sam bith a dheanamh air a’ bhiadh bhog a bhios an taobh a stigh. ’N uair a fhuair am ministear ’anail a tharruing gu réidh beagan mhionaidean, ’sa dh’ òl e deur beag á searrag bean-an-taighe, thog e air dheachaidh, ’s tha sinn an dochas nach robh e cho sanntach riamh tuilleadh.—EADAR. LE IAIN D. Fhuaireadh an cnap oir bu mho chunnaic an saoghal riamh, ann an Astralia ’sa bhliadhna 1872. Thomhais e ùnnsa no dha a bharrachd air sia ceud ’s da fhichead punnd. Reic am fear a fhuair e e air seachd mile deug thar fhichead punnd Sasunnach (£37.000). [TD 236] [Vol. 3. No. 30. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 26, 1895. Tha na deuchainnean troimh ’m beil Newfoundland a’ dol aig an àm so a toirt oirre bhi sealltuinn ri Canada air son cobhair. Tha triùir de na daoine ’s àirde guth ’na riaghladh air an turus an dràsda gu Ottawa feuch ciod na cumhachan air am faigh iad a stigh dh’ an aonadh. Cha’n eil teagamh nach bi Newfoundland na h-uallach glé throm air Canada, ach ’se bharail a th’aig a chuid a’s motha gu’m bi air a’ gabhail a stigh. Bha Canada deonach, sin a dheanamh o chionn fhada, ach cha robh i fhéin deonach. Ach a nise ’nuair tha i deonach ged is ann dha h-aindeoin, tha e iomchuidh gu ’n deanadh Canada cho math rithe ’s is urrainn dhi gun cron a dheanamh oirre fhéin. ’Nuair bhios Newfoundland air a h-aonadh ris an dùthaich so, bidh gach mir fearainn a th’aig Breatuinn ann an Ceann Tuath America ’n taobh a stigh de chriochan Chanada, Tha sean-fhacal Gàidhealach ag radh gu’m bi “ceann mòr air duine glic, ’s ceann circ’ air amadan,” ach tha luchd-foghluim an latha ’n diugh ag ràdh nach eil sin fior. Tha Oillear Gearmailteach, Vichrow, ag innse dhuinn gu robh na Greugaich o shean comharraichte air son cho beag ’sa bha ’n cinn, agus tha fhios aig na h-uile nach robh sluagh ann riamh a bheireadh bàrr orra ann an gliocas agus ann an tuigse. Tha’n cogadh eadar Sina us Iapan a’ dol air adhart, ged nach eil sinn a’ cluinntinn moran m’a thimchioll aig an àm so. Tha iadsan a’s fiosraiche mu’n chùis ag ràdh gu bheil na h-Iapanich a’ deanamh dìreach air Pekin ceanna-bhaile Shina, agus a’ cur rompa gun toir iad a mach e, agus ma ni iad sin, bidh cumhachd Shina air a thilgeadh an darra taobh. Failt Do’n Earrach. Fàilt ’ort fhéin, O Earraich fhuair, Ged is greannach snuadh do ghnùis; ’S e miann gach aon neach de ’n t-sluagh, Thu thighinn mu’n cuairt as ùr. Tha còmhdach de ’n t-sneachd’ o shuas Mu do cholainn chruaidh mar chleachd; Tha d’ anail a’ bioradh chluas, ’S a’ caochladh tuar gach aon neach. Thàinig thu ’chur beath’ as ùr Ann an gnùis a’ chruinne-ché; A bhrosnachadh, ’s a chur sùrd Air gach dùil a tha fo ’n ghréin. Dh’ aindeoin reothaidh, sneachd’ is fuachd, Bheir thusa mach buaidh ’na thráth; Bheir thu snodhach ùrail, uain’ Air cluainibh glasa ’s gach àit.’ Bidh an uiseag chliuiteach, shuairc, Air sgiathaibh luatha gu sèimh A’ seinn gu binn mar bu dual, ’S i ’dìreadh suas dh’ ionnsuidh nèimh. Bidh còisir na coill’ gu léir’ Gu fonnar, gleusda, ’s gu binn, A’ seinn air barraibh nan geug, Gu math moch mu ’n éirich sinn. Bidh a’ ghrian ’bheir teas is fàs, ’Sior dhol ni ’s àirde ’s an speur; ’S bidh láithean is oidhchean fuar’ A’ teicheadh mu thuath le chéil.’ Bidh ’neoinean, a dh’ aindeoin fuachd, Air feadh nan cluaintean a’ fas; ’N uair ’thig blàths na gréine nuas, Bidh ’aghaidh-san suas gun dàil. Bidh ’n t-sòbhrach a ’s aille snuadh A’ cur mais’ air bruaich nan eas; ’S i ’g ràdh gu bheil crannadh ’s fuachd A’ call am buaidh leis an teas. Bidh treabhadh is cur an t-sìl Anns gach tìr a tha fo ’n ghrein; Ged is tric ’bhios daoine sgìth, Bidh iad dìchiollach aig feum. Air an talamh ’s air a’ chuan, Agus shuas an àird nan speur, Tha beatha ’s obair gach uair, Ann am measg gach sluaigh gu léir. Ach bidh an leisgean ’na thàmh, ’S a làmhan paisgte m ’a ghlùin; Cha ’n iarr e gluasad o’n bhlàths: ’S culaidh-ghràin e ’measg gach dùil. IAIN. FLUR $3.50 am barailte, Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran. BROGAN BHAN $1.00 am paidhir. Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh. STOC OR DE BHATHAR UR. aig JOST BROS. Sid. B., Nov. 9, ’94. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 237] [Vol. 3. No. 30. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh Innseanach do’m b’ ainm Louis Victor a chrochadh ann an Columbia Bhreatunnach an la roimhe air son Innseanach eile mhort. Tha ’n gual mìn gu math saor ann an Sidni Tuath an drásda. Gheobhair leith tunna dheth air 30c. Ann an Sidni cosgaidh an leith-tunna 60c. Cha’n eil fhios carson nach biodh e cho saor ’an so ’sa bhiodh e ’n àit eile. Tha eaglais ur Chléireach ’ga togail ann an Louisburg, agus tha i ri bhi air a fosgladh mu thoiseach a Mhàrt. Bha ’n t-Urr. Domhnull Mac ’Ille-mhaoil anns a bhaile air an t-Sàbaid s’a chaidh, agus shearmonaich e ann ’sa mhaduinn us feasgar. Tha ’n t-Urr. Mr. Forbes a’ dol gu math na’s fhearr, Tha sinn an dòchas fhaicinn ’sa chùbaid ’an ùine gun bhi fada. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Laing ’na àite air an t-Sàbaid s’a chaidh, agus tha ’n t-Urr. Coinnich Mac Coinnich, a bha roimhe so am Baddeck, gu searmonachadh ’na àite ’màireach. Cha’n eil am bàt-aiseig a’ ruith eadar an dà Shidni air an t-seachdain so. Reoth an acarsaid oidhche Shatharna, agus cha b’ urrainn do’n bhata bristeadh troimh ’n deigh uaithe sin. Tha ’n carbad-iaruinn a ruith eadar an dà bhaile gach maduinn us feasgar Di-luain, Di-màirt, Dior-daoin, ’s Di-sathairne. Leanaidh e air ruith mar sin gus am fosgail an acarsaid a rithist. Tha iadsan a tha ’gabhail orra fhéin fiosachd a dheanamh mu ’n t-sìde ag radh gu bheil ceud mhios an earraich (Februaridh) gu bhi cho fuar ’s cho greannach ’sa bha mios faoillich riamh. Tha iad ag radh gu bheil stoirm air muin stoirme ’dol a thighinn, uisge ’s sneachda m’a seach. Bha ’n t-sìde cho briagha fad a gheamhraidh ’s nach biodh e ’na ioghnadh ged thigeadh side gharbh air an earrach. Fhuair Mac Dhùghaill agus Mac Néill, a tha ri ceannachd aig na Narrows Mhòra, litir o chionn ghoirid, agus suin mhath airgid innte. Cha robh ainm rithe idir, ach ’s ann a àit-eigin ’sna Staitein a thainig i, agus bha e air iarraidh orra gun rannsachadh sam bith a dheanamh dha taobh. Ge b’e co-sgriobh i, tha e coltach gu robh chogais ’ga dhìteadh air son rud-éigin a rinn e nach robh uile gu léir a réir na h-aithne. ’Se b’ ainm dh’an duine ’chiadh a mharbhadh aig Glace Bay oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, Uisdean Mac Varish. Bhuineadh e do Chregnis, ann an siorrach Ionbhairnis. Mu bheul na h-oidhche dh’ fhàg an carbad Glace Bay gu dhol gu Cow Bay, agus cha robh e ach mu cheud slat o’n chala ’nuair a chaidh e thairis air an duine bhochd, ’ga mharbhadh air an spot. Bha ’chorp air a phrannadh ’s air a ghearradh gu grànda. A réir coltais, bha e ’na chadal air an rathad ’nuair thainig an carbad air. Tha iad ag ràdh gu’n d’ fhuaireadh botull de dh’ uisge-beatha ’na phòca. Tha pàrlamaidean Nova Scotir ’s New Brunswick air an gairm gu bhi cruinn air an latha mu dheireadh dhe’n mhios so. ’N uair a chi thu so, dùin do shùilean ’s feuch an cuimhnich thu ’n do chuir thu ’n dolair gu MAC-TALLA fhathast. Mur do chuir na dean an bòrr dàil. Chaidh Eadailteach a leònadh ann am méinn Springhill, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, cho dona ’s gu’n do dh’eug e. Thuit torr mòr de chlaich ’s de ghual air, ’s e aig obair, ’s cha mhor nach robh e air a thiodhlacadh fòpa. Bha slige chinn air a dhroch bhristeadh. Tha fear Uilleam Domhnullach a mhuinntir Phicton an sàs ann an Charlottetown, E. P. I., air son airgiod fhaotainn o’n bhanca ’sa bhaile sin le slaoightireachd. Sheas e cùirt agus fhuaireadh ciontach e. B’ àbhaist da bhi ’g obair air soitheach-smùid a bha ruith eadar an t-eilein us Pictou. Thainig bàs glé aithghearr air fear Iain Mac Ille-mhaoil, air Beinn Stiubhairt, E. P. I., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air gearradh connaidh aig a dhorus fhéin, agus thuit e ann an laigse, as nach do dhùisg e riamh. Chaochail e an ceann cheithir uairean fichead. Bhuineadh e do Cheap Breatuinn. Bha e ’na ghreusaiche, agus bha e ’g obair aig Meinn Victoria gus o chionn cheithir bliadhna, ’nuair a chaidh e dh’ Eilein a’ Phrionnsa. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois. Air a chòigeamh latha dhe’n earrach, bi’dh aig muinntir Shidni ri Bàillidh (mayor) agus triuir sheanairean a thaghadh. Cha’n eil uiread de dh’othail orra mu’n taghadh ’sa bh’oara bliadhnaichean roimhe so, ged tha ’n àireamh tha ’g iarraidh a stigh a cheart cho mòr. Air son na bàillidheachd, tha dithis a’ ruith, Cailean Mac Fhionghain agus Aonghas Domhnullach. Tha sianar a ruith air son a bhi ’nan seanairean, dithis anns gach earann dhe’n bhaile; Iain Mac Gillfhaollainn us Domhnull Cuiridh, ’sa cheud earann; Seumas Townsend us Aonghas Mac-Gilleain, ’san darra h-earann; agus Domhnull Domhnullach us Murcha Moireastan anns an treas earann. Cha d’ fhuaireadh fios no sgeul air Marta Roach fhathast, ged tha nise còrr us tri seachduinean o’n chaidh i air chall. ’S ioma barail a th’aig daoine dha taobh, ach cha’n eil dòigh air a dhearbhadh gu bheil aon seach aon dhiubh ceart. Co-dhiu chaidh a mort no a goid air falbh, cha’n urrainn duine sam bith a dheanamh mach an dràsda ach ’s cinnteach an ni gu’n tig an fhirinn am follais uair no uair-éigin. Chaidh a choille agus gach àit eile ceithir-thimchioll air an áite ’s an do chailleadh i a rannsachadh gu cùramach, ach cha d’ fhuaireadh lorg no comharra sam bith. Tha chùis gle dheuchainneach air a càirdein, ’s gu h-àraidh air a pàrantan. Tha a màthair bhochd air a dhol as a rian, agus gu dearbh ’s beag an t-ioghnadh. Tha ceud dolair air a thairgse mar dhuais do neach sam bith a gheobh an nighean beò no marbh. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 238] [Vol. 3. No. 30. p. 6] COMHRADH Eadar an Gobha agus Domhull Post. GOBHA.—So, so, a Dhomhuill, thig a nall an so agus thoir buille no dhà air an iarunn so leis an òrd mhòr. Tha mi air mo chridhe a sgaineadh o mhoch thrath ag obair air an droch iarrunn so a thug Callum beag ugam an latha roimhe gu soc is coltair a dheanamh dha. Ge b’ e air bith àite an d’ fhuair e an sgonn grànda so cha ’n ’eil e furasda dhomhsa feum a dheanamh dhe gun chuideachadh. DOMHULL POST.—Cha robh thu riamh air atharrachadh. A dh’eoin no dh’aindeoin bheir thu an ceilidh ceardach asam a h-uile latha ’thig mi. Is e bhios ann air a’ cheann mu dheireadh gu seachainn mi a’ cheardach buileach glan. Is math a dh’ fhaodadh Callum beag fhein a bhith an so mar bu chòir dha. Tha mi glé sgith an diugh fhéin ged nach teannainn ri bualadh an ùird mhòir. G.—Cha ’n ’eil mise ag iarraidh ort ach beagan bhuillean a thoirt air an iarunn leis an òrd. Cha mhisde thu blàths a chur ort co dhiu. Tha fior ghreann an fhuachd air do shròin. Cha chreid mi nach robh thu ’na do sheasamh greis mhath an àite eiginn a’ bruidhinn mu’n d’ thàinig thu. Ged a tha do cheann air liathadh ’s do chiabhagan air tanachadh is fior thoigh leat a bhith ann an cuideachd nan nigheanan òga. Neo-ar-thàing nach dean a h-uile té dhiubh briodal beoil is cabaireachd gu leòr riutsa ’s ris gach fear dhe do sheòrsa. Beir air an òrd agus cuir blàths ort fhéin. Tha thu air crampadh le cion obrach. D. P.—Air crampadh le cion obrach! Tha mi far an cuala mi riamh a leithid. Bu chòir dhut, nam biodh tùr duine annad, a ràdh, gu bheil mo bhonnan air tolladh ’s mo luirgnean air lomadh a’ falbh ’nam throtan air feadh nam bailtean a h-uile latha ’s a’ bhliadhna ach Didonaich. An uair a thòisich mise ris a’ phostachd an toiseach cha robh agam ach ri dhol tri uairean ’san t-seachduiu o aon cheann-uidhe gu ceann-uidhe eile. Tha mi nis ri bhith ’nam dheannabh a h-uile latha. Is ainneamh latha nach ’eil mo dhà cheann ’s an talamh le eallach litrichean is phaipearan is pharsalan. Aig àm na Nollag theabas mo mharbhadh buileach glan. Cha robh seòrsa air an smaoinicheadh duine nach robh ’tighinn dhachaidh bhar na Galldachd ann am parsalan baaga ’s mòra. Feumaidh mi a dhol a dh’ ionnsuidh nan dorsan aca leis gach ni gréine a thig ’nam rathad. G.—Ma ta gu dearbh is iomadh latha a tha thu ’giulan an deadh eallaich. Tha na parsalan air thuar an dùthaich a sgrios. Cha ’n ’eil sgillinn air am faighear greim nach cuirear air falbh a dh’ iarraidh na tì ’s an tombaca. D. G.—Tha thu air chùl do sgeoil. Tha am fion ’s a’ bhranndaidh ’s an ruma ’s an t-uisge beatha a’ tighinn dhachaidh cho math ris an tì ’s ris an tombaca. Nam biodh tusa ’giulan an eallaich mar a tha mise is ann a bhiodh fios air a liuthad seòrsa a tha ’tighinn do’n dùthaich an diugh. An uair a dh’ fhalbhas mise troimh na bailtean ’s glug, glug aig an deoch làidir air mo mhuin anns a’ phoca, is ann a bhios car de nàire orm. Tha mi ’g innseadh na firinn. G.—Cha’n fhhod e bhith nach toir iad dhut deur beag de’n stuth mhath nair is uair, gu h-àraidh an àm an t-sneachda. D. P.—Is iad nach tabhair, ged a rachadh mo bheul càm. Cha’n ’eil na daoine a tha beò an diugh a leith cho cóir ris na daoine a bh’ann ri mo cheud chuimhne. Tha daoine an latha ’n diugh air fàs ro ghallda. Is gann a gheibh thu ni sam bith mur pàigh thu glé dhaor air a shon. G.—B’ fhearr leam gu’m pàigheadh iad dhomhsa an dara leith de’n obair a tha mi ’deanamh dhaibh. Is leasg leam an diùltadh an uair a thig iad Ach tha amhrus agam gu feum mi an diùltadh an ùine gun bhith fada. A dh’ innseadh na firinn duit, bha mi air dubh-chùl a chur ri cuid diubh roimhe so mur b’e gu bheil eagal orm nach fhaigh mi sgillinn de na fiachan uapa gu bràth, ma dhiùltas mi obair a dheanamh dhaibh an dràsta. D. P.—Is tu a tha górach a’ leantuinn air a bhith ’g obair dhaibh. Cha ’n fhaigh thu sgillinn de na fiachan ri d’ bheò. Is ainneamh duine anns am bheil de dh’ onair an diugh na phàigheas fiachan ’s an àm so. Tha mi ’cluinntinn na h-aon ghearain aig a h-uile fear-ceairde a th’ ands an dùthaich. Ma ’s e sin fhein e, cha phàigh iad na paipearan-naigheachd. G.—O’n a thàinig agad air, saoil thu nach ann a tha car de nàire orm air son na tha de mhuinntir a’ bhaile so fhein fo ain mdhroch phàighearan aig luchd nam paipearan-naigheachd an Inbhirnis agus anns an Oban. D. P.—Nach coma leam co aca. Tha muinntir nam paipearan sin a’ deanamh am fortain, tha mi ’cluinntinn. Ach nam b’e pàipearan Gàilig a bhiodh aca cha deanadh iad mòran fortain. Tha ’n àireamh a’s mò de Ghaidheil an latha ’n diugh ag amharc sìos le dimeas agus le tàir air a’ Ghailig. Is gann a chi thu facal Gàilig ann am paipear naigheachd ach am beagan a tha ri ’fhaicinn ann an aon phaipear an Inbhirnis, agus anns an Oban. G.—Is ann a tha choire sin aig na Gàidheil fhein. Neo-ar-thàing nach fhaigheadh iad Gàilig gu léòr nam b’ fhiach leotha a leughadh. Cha ’n ’eil faighneachd sam bith air a’ Ghailig am measg nan Gàidheal a chionn nach ’eil dùil aca beairteas a dheanamh leatha. IAIN. Dh’ iarramaid orra-san a bhios a sgriobhadh dh’ ionnsuidh a phaipeir gun iad a sgriobhadh ach air aon taobh dhe’n duilleig, agus gun an sgriobhadh a bhi tuilleadh us meanbh. ’N uair a ruigeas litir sinn ’sa bhios an sgriobhadh meanbh, ged bhiodh i ceart gu leòr air gach dòigh eile, cha ghabh an clo-bhualadair gnothuch rithe, agus feumaidh sinn a sgriobhadh thairis bho thoiseach gu deireadh. ’N uair tha ’n sgriobhadh garbh, théid againn air ceartachadh sam bith a bhios feumail a dheanamh eadar na sreathan; ach ’nuair tha e meanbh, cha’n eil againn air ach sinn fèin ’ga sgriobhadh a rithist, agus tha moran sgriobhaidh, mar tha moran leughaidh, ’na sgìos do’n fheoil. Tuigeadh iadsan a leughas. Gheobh ar leughadairean anns an àireamh so litir ghoirid bho “C. C.” fear o’m math leinn a bhi cluinntinn gu math tric. Gheobhair mar an ceudna comhradh air a sgriobhadh le “Iain,” duin-uasal do ’m math is aithne Gàilig a sgriobhadh, agus a tha ’n deigh Mac-Talla agus a leughadairean a chur fo chomain mhor dha cheana Air an t-seachdain s’a tighinn bheir sinn d’ ar càirdein a cheud chaibideil de sgeul ghasda, Ghàidhealach, o’n pheann cheudna. Leanaihh i bho sheachdain gu seachdain fad dha no tri mhiosan, agus tha sinn cinnteach gu’n cord i gu math ris a h-uile h-aon a leughas i. [TD 239] [Vol. 3. No. 30. p. 7] SEAN FHACAIL. Thig math a mulad. Ruigidh grotachan suim. Is luath fear ’us eagal air. Millidh aon leibid a chuinneag. Is mairg a ni droch cleachduinn. Far nach ’eil lagh cha ’n ’eil saorsa. Far am bi mo run bithidh mo shùil. An car a bha ’n Eoghann bha e an Iain. Is ann as a bheagan a thig am moran. Cha chreidear an fhirinn o bheul nam breug. An ni a thig leis a ghaoth falbhaidh e leis an t-sruth. ’S e goirteas a chinn féin a dh’ fharaicheas gach duine. Am fear nach cleachd claidheamh fagaidh e air tom e. Biodh iadsan a bruidhinn ’s bithidh na h-uibhean againne. Bithidh a h-uile fear a tarruing uisge gu mhuileann féin. Am fear a’s treise an uachdar, ’s am fear a’s luaithe air toiseach. Co a gheibheadh am port mur fhaigheadh nighean an fhidhleir e. Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i. Minard’s Family Pills, glan, fallain. Leighisoadh mise o lòinidh le Minard’s Liniment. Halifax. ANDREW KING. Leighiseadh mise o droch sgamhan le Minard’s Liniment. Sussex. COL. C. CREWE READ. Leighiseadh mise o loinidh le Minard’s Liniment. Markham, Ont. C. S. Billiug. Is miann le triubhas a bhi measg aodaich, is miann leam fein a bhi measg mo dhaoine. Air son nam biastan—Cherokee Vermifug. Cherokee Vermifuge air son nam biastan Minard’s Honey Balsam, Leigheas cinnteach Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh s le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige mu thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhsan. [TD 240] [Vol. 3. No. 30. p. 8] An Sealgair agus am Fiadh. LE DOMHNALL MOR OG. ’S mi ’m shuidh’ ’sa bhadain chaorinn ’S beag m’ aighear ris a ghaoith so, ’S i ’gabhail dhomh ’san aodunn, ’S gun d’ fhag sud m’ aogasg bochd. Tha damh ’na laighe ’suas bhuam, ’S e ’g amharc orm le tuaileas, ’S cha leig a shuilean luaineach Dhomh gluasad ceum a so. Nam faighinn a so slaodadh Gu cul na craoibhe caoruinn, Le m’ ghunna fada craosach, Gun taomainn i ’na chorp. Am Fiadh. Gum b’ fhearr dhuit cur is claithadh, ’Bhi ’g iomain cruidh ’s gam biathadh, Na staric de m’ shithinn bhliadhnich, ’S nach fhiach i ’cur am poit. Mo sheiche cha dean feum dhuit Is tuill oirr’ aig na feursnabh; Nach grannd a dhuit ’bhi ’n deidh orm, ’S nach d’ rinn mi eucoir ort. An Sealgair. Nach cuimhne leat gach sealbhag A dh’ ith thu ann san arbhar; Theid cuilein ann ad shealbhan, ’S do mharbhadh air an spot. Am Fiadh Nan eisdeadh tu ri m’ sheanachas ’Gun innsinn dhuit le dearbhadh, Nach mis’ a bh’ ann san arbhar, Ach fear ’bu ghairbhe dos. An Sealgair. Ma dh’ innseas tusa dhomhsa ’N ceart bhall ’sa bheil e comhnuidh, Cha deid mo chu an toir ort, ’S cha leonar thu an nochd. Am Fiadh. Is tric a cuithear thall e ’N Creig-chorraig ann san t-samhradh, ’S ma gheibh e fasgath teann oirr’ Cha gheall e tigh’nn a so. An Sealgair. Gum b’ fhearr leam na mo chota Ni-fhin ’s mo ghunna grobach A thachirt ann sa mhointich Air croicearnach nan cnoc. ’S e Comaranach a bha ann an Domhnull Mor Og. Is ann a mhuinntir Lochabair a bha e. Rinn Alasdir Mac-Fhionghain marbhrann dha. Rinn Ailain Dall cuideachd marbhrann da. Bha e na b’ fhearr air sealgaireachd na air orain. Minard’s Honey Balsam aon uair ’s na h-uile h-uair. Bha shrirm mhor shneachda anns a’ Ghàidhealtachd a’ cheud sheachdain dhe’n mhios so; cha robh a leithid anns an dùthaich o chionn corr us tri bliadhna. Thoisich i air feasgar na Sàbaid, an siathamh latha agus chuir i stad air a’ charbad-iaruinn ’s air gach doigh shiubhail eile, ’s cha d’ fhuaireadh an cur air obair a rithist gus ’n do sguir an stoirm Di-ciaduin. Bha citheachan air na roidean a bha eadar deich us dusan troigh a dhoimhnead. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. An S. S. Arcadia. THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin. P. KERR, Maighstir [TD 241] [Vol. 3. No. 31. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH, 2, 1895. No 31. Meud na Cruinne. Tha ’n saoghal na bhall cruinn, ochd mile de mhiltean troimh, agus mu choig mile fichead de mhiltean nun cuairt. Tha na uachdar da chiad muillion de mhiltean ceithir chearnach (suqare.) Na ’n seasadh neach air mullach beinne bho’m faiceadh e da fhichead mile air gach taobh, no da chiad is da fhichead mile mun cuairt, chitheadh e coig mile de mhiltean ceithir chearnach. Ach mor ’s mar tha ’n sealladh sin, cha ’n ’eil ann ach an da fhichead mile pairt dhe uachdar an t-saoghail, uime sin, mu ’m faiceadh e uil’ e, dh’ fheumadh e da fhichead mile sealladh mar a dh’ ainmich sinn fhaicinn. Agus na ’n robh gach sealladh dhiubh a gabhail uair de thim, agus a tabhairt da uair dheug de ’n latha, ghabhadh e corr is naoi bliadhna mu ’m faiceadh e an t-iomlan. No na ’n rachadh neach air thuras gu aghaidh an t-saoghail uir fhaicinn, agus dol thairis air gach mile ceithir chearnach dhe, aig ruith deich mile fichead ’s an latha, ghabhadh e corr is ochd mile deug bliadhna mu ’n rachadh e thairis air an iomlan. Ged a thoiseachadh e air a thuras ’nuair a chaidh Adhamh a chruthachadh, cha bhitheadh e thairis air an treas pairt dhe fhathast! Litir o Raibeart. Tha ’mios mu dheireadh do ’n gheamhradh a nis aig a cheann. Bha ’n t’ side glé mhaith dh’ionnsuidh so. Tha ’n sean-fhacal ag radh “Cha tig fuachd gu’n tig earrach.” Faodaidh sinn a nis a bhi coimhead a mach air son fuachd agus reothaidhean. Cha d’ thainig ach glé bheag sneachda fathast, gidheadh thug e atharrachadh mòr air cùisean ann a so’ le bhi toirt air falbh glagarsaich ’s gleadhraich na’n cairtean. ’S ann a chluinneas sinn a nis ceòl binn clag na ’n each luatha air na sràidibh o mhoch-thrà gu feasgar an-moch. Tha mòran de mhuinntir na dùcha a’ gabhail cothrom na ’n ròidean matha’ tha ann a nis. Cha ’n fhaod mi dearmad innseadh gu ’m bheil e air aithris a measg na thàinig do ’n bhaile so air an t-seachduinn a dh’ fhalbh, gu ’n robh “Ceann Liath” féin. ’S iomadh neach a leubh a chuid litrichean leis am bu mhiann gu mòr fhaicinn. Tha mi làn chinnteach gu ’n do chuir MAC-TALLA còir féin fàilte chridheil air. Faodaidh e bhi gu ’n d’ fhàg e rud-eiginn aige ri chur ’an clò, oir bu toigh leinn cluinntinn uaithe na bu trice. Bha sinn glè dhuillich an uair a leubh sinn anns an litir mu dheireadh a sgriobh e gu ’n robh ’m bàs a toirt air falbh aois agus òigridh a bha nan deadh luchd eòlais dhuinn ’san àite sin. Tha na nithean ceudna ri ’m faicinn ri ’n aithris cha mhor gach là anns a bhaile so. Cha ’n fhada chàirdean gus am bi sinn uile air àireamh na muinntir ud. Cha ’n eil mi cleachdadh a bhi sgriobhadh Gailig, mar sin tha mi ’n dùil gu ’n gabh do luchd-leubhaidh mo leith-sgeul. Faodaidh e bhi gu’n cluinn tha uamsa fathast. Bithidh mi ’n dràsd a comhdhunadh leis an rann a leanas:— Thoir beannachd uam gu luchd na Gàelic Anns a chearn so, ’s fad thar chuan, ’S ann orra chuirinn féin an fhàilte, ’S a chainnt mhathreil bhlasd gu’n ghruaim. Tha mi guidhe dhuibh a chàirdean, Oir bu ghnàth leibh a bhi suairc; Gu’n neartaich sibh “le’r cead” na làmhan Tha togail na Gàelic suas. Do chairid dileas, RAIBEART. Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mòr mi-ghnìomhach. Is iomadh uair a b’ fhearrde daoine srian a chur ri ’n teangaidh. SEAN FHACAIL If fhearr slàinte na saoibhreas. Is fhearr deagh riaghladh na teachd-a-steach mòr. Is fhearr duine bochd ’s e fìrinneach na duine saoibhir ’s e breugach. Is fhearr lagh a’ ghràidh na gràdh an lagha. Is fhearr deadh aimn na crios de ’n òr. Is fhearr a bhith sàmhach na bhith ’labhairt uile. Is fhearr rud a dhiùltadh gu modhail na thoirt seachad gu mi-mhodhail. Is fhearr deadh ainm na deadh aghaidh. Is fhearr gruaim caraide na aoidh nàmhaid. Is fheaer beagan ’fhaotainn le còir, na ionmhas mòr le eucoir. Is fhearr iomall a’ phailteis na teis-meadhon a’ ghanntair. Is fhearr dhuinn gun rud a bhristeadh na bhith ’g a chàradh an déigh a bhristeadh. Is fhearr cuimhne luchd nam fiach na cuimhne na muinntir air am bheil na fiachan. Tha droch cleachdadh coltach ri deadh aran, is fhearr air a bhristeadh e na air a ghleidheadh slàn. SGIORRADH UAMHASACH.—Chaidh soitheach mór smùide do’m b’ainm an “Elbe” a chur do’n ghrùnnd a mach o chladach a deas Shasuinn, ’sa mhaduinn Di-ciaduinn s’a chaidh, agus chailleadh mu thri cheud gu leith duine. Bhuail soitheach eile innte mu bheul an latha, agus chaidh i fodha cho luath ’s nach d’fhuair ach mu dha fhichead duine aisde le ’m beatha. Bha ceathir cheud air bord. Bha i air a turus as a Ghearmailt gu New York. Leighsidh Minard’s Liniment Cràdh. [TD 242] [Vol. 3. No. 31. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB I. Ann an taobh tuath na h-Alba tha gleann bòidheach ris an canar, an Gleann Crom. Tha e mu chòig mìle air fad, agus mu mhìle gu leith air leud. Tha ceann dheth ris an àird an iar, agus an ceann eile ris an àird an ear-thuath. Tha amhainn lubach a’ ruith troimh ’mheadhon do cheann Loch a’ Bhuird. Aig aon àm bha coille thiugh air gach taobh de ’n amhainn; ach o chionn iomadh bliadhna cha’n ’eil ach craobh an sid ’s an so ri fhaicinn air taobh deas na h-aimhne. Bha mòran tuatha aig aon àm air taobh deas na h-aimhne, agus bha cead aca o’n uachdaran a bh’ air an oighreachd aig an àm, air na bhiodh a dhìth orra de’n choille a ghearradh a chum an cuid thaighean a chur an òrdugh. O bhliadhna gu bliadhna bha ’choille ’dol ni bu taine ’s ni bu taine, gus mu dheireadh an d’ rinn an tuath fhein lagh ’nam measg fhein, nach robh ’chridhe aig fear sam bith maide a ghearadh aisde, ni’s lugha na bhiodh feum ro shònraichte aige air. Cha robh an t-uachdaran a’ dol eadar iad is ni sam bith a thogradh iad a dheanamh ris a’ choille a bh’ air an taobh aca fhein de’ n amhainn. Bha na bh’ air taobh tuath na h-aimhne de ’n oighreachd aig an uachdaran ’na làmhan fhein. Bha mòran coille air an taobh ud de ’n amhainn. O’n a bha am fearann ri aghaidh na grèine, agus na monaidhean àrda a bha os cionn a’ ghlinne a’ cumail fasgaidh air o ghaillionn na h-airde tuath, bha ’choille ni b’ airde ’s ni bu dlùithe na bha i air taobh deas a’ ghlinne, an uair a b’ fhearr a bha i. Bha taigh-còmhnuidh an uachdrain ann an teis-meadhon na coille, agus b’ ann air a shon sin a thugadh “Taigh na Coille” mar ainm air. Anns an àm ’s an do thogadh Taigh na Coille b’ ainneamh àite ’s an robh taigh uachdarain a bha cho eireachdail ris air an taobh a muigh, agus cho farsuinn ’s cho comhfhurtail ris ’na bhroinn. Bha ’n t-uachdaran a thog e ’na dhuine glic, tuigseach, tùrail do ’m b’ aithne mar bu chòir taigh a thogail, a bhiodh araon maiseach agus comhfhurtail. Ged a bha ’n t-àite anns an robh an taigh car iomallach, cha robh ni a bha feumail nach d’ thugadh ann le bàtaichean. Aig an àm cha robh na rathaidean mòra aon chuid cho lionmhor no cho math air an deanamh ’s a tha iad a nis. Mar bu trice, bha na h-uachdarain agus an tuath glè mheasail air a chéile aig an àm ud. Ged b’ e uair no àite anns an tachradh iad ri ’chéile, bhruidhneadh iad ri ’chéile gu cridheil, càirdeil. Ged a bha ’n tuath ag amharc suas ris na h-uachdarain cha robh sin a’ toirt air na h-uachdarain a bhith ’g amharc sìos air an tuath. Bha ’n t-uachdaran a thog Taigh na Coille, comharraichte na latha ’s ’na linn air son cho iriosal agus cho caoimhneil ’s a bha e ris gach bochd s beairteach a bh’ air an oighreachd aige. An uair a bha ’n taigh ’ga thogail, dh’ òrduich e gu ’m biodh aon seòmar mòr, maiseach air a dheanamh ann, far am biodh e fhein agus a chuid tuatha aig cuirm maille ri’ chéile, aon uair ’s a’ bhliadhna. Fhad ’s a bha e beò agus air chomas ni sam bith a dheanamh, bhiodh e gach bliadhna, ’toirt cuirm do na h-uile aon de ’n t-sluagh a ghabhadh cuireadh uaithe. Ged a bha “Talla na cuirme” gu math farsuinn, cha ghabhadh e ach gann an dara leith dhe ’n t-sluagh do ’n robh e a’ toirt cuiridh gach bliadhna. Air an aobhar sin bha e ’roinn an t-sluaigh nan dà earrann. Air a’ cheud latha dhe ’n chuirm, bhiodh na fir agus na mnathan pòsda, na seann fhleasgaich agus na seana mhaighdionnan air an gairm Air na dara latha, bhiodh na gillean ’s na nigheannan òga a bha os cionn dà bhliadhna dheug a dh’aois aig a’ chuirm. Bhiodh an t-uachdaran fhein fad na h-ùine maile riutha. Bha e ’na dhuine sunndach, cridheil, agus chumadh e air aghart gach fearas-chuideachd a shaoileadh e a bheireadh toileachadh do gach sean is óg. Ach cha ’n fhuilingeadh e do neach sam bith ni mi-iomchuidh a dheanamh. Neach sam bith a ghluaiseadh e fhein gu mi-iomchuidh, dh’ fhaodadh a bhith cinnteach nach fhaigheadh e cuireadh thun na cuirme air an ath bhliadhna. B’ e so am peanas a bha e leagadh air gach aon a rachadh ceum as an rathad. B’ ann uair glé ainneamh a bha neach sam bith a’ cosnadh diumadh an uachdarain anns an dòigh so. Bha ’n cleachdadh so a’ deanamh móran feuma ann an dòigh no dha. Bha e ’nochdadh do’n tuath gu léir, nach robh an t-uachdaran a’ cur dealachaidh eadar am bochd agus am beairteach. Tha cuid ann aig am bheil meas ro mhòr air maoin ’s air saoibhreas, agus ged a bhiodh mìle cron air an duine bheairteach, bidh meas mòr aca air. Ach cha b’ ann ’s an dòigh so a bha ’n t-uachdaran so ag amharc air a chuid tuatha idir. Co dhiubh a bhiodh iad bochd no beairteach, ma bha iad fìrinneach, onarach, dìchiollach, deanadach, sgus measail iomchuidh ’nan gluasad, bha’n aon meas aige orra gu leir. Bha so a’ leigeil ris do ’n tuath nach b’ ann am mò-rshaoibhreas, no ann an inbhe àird a bha meas is cliù dhaoine a’ co-sheasamh, ach ann an giùlan iomchuidh, glic. Bha ’n cleachdadh so mar an ceudna ag ionnsachadh do’n tuath mar bu chòir dhaibh iad fhein a ghluasad ann an cuideachd a b’ àirde inhbe na iad fhéin. Tha ionnsachadh dhe’n t-seòrsa so ro fheumail, gu h-àraidh do ’n mhuinntir nach ’eil ach uair ainneamh a’ dol am measg dhaoine a chunnaic barrachd dhe ’n t-saoghal na chunnaic iad fhein. Tha iomadh neach, an uair a tha iad ’dol do chuideachd a’s àirde agus a’s urramaiche na iad fhein, glé dhiùid, agus gu math tric b’ fhearr leotha a bhith as na bhith ann. An uair a bhiodh pòsadh is bainis ann an taigh aoin de’n tuath air an oighreachd, gheibheadh an t-uachdaran cuireadh gus a dhol ann, agus mar bu trice rachadh e car ùine ann. Nam biodh e furasda dha, dh’ fhanadh e aig a’ chuirm gus am biodh i dlùth air a bhith seachad. Aig gach cruinneachadh dhe ’n t-seòrsa so b’ ann aige a bha dleasdanas uachdaran na cuirme ri chur an gnìomh. Cha robh maor no bàilidh a’ riaghladh fo a làimh aig àm sam bith. Bha gach cùis a bhuineadh do riaghladh na h-oighreachd air a chur ’na láthair fhein, an uair a bhiodh e aig an taigh. An àm dha ’bhith air falbh o’n taigh, bha òrdugh aig an tuathanach bu shinne a bh’ anns gach baile gach ni a bhiodh cearr a chur ceart, nam b’ urrainn e. An uair a thigeadh e-fhein dhachaidh, chuireadh e a h-uile ni ann an òrdugh gu cothromach agus gu ceart. Nan tachradh gu ’m biodh aimhreit sam bith eadar duine agus duine, dh’ fheuchadh an t-uachdaran ri ceartas agus réite a dheanamh eatorra, nam biodh iad toileach a’ [TD 243] [Vol. 3. No. 31. p. 3] chùis earbsadh ris. Mar bu trice ghabhadh iad leis a’ cheartas a dheanadh e eatorra. Uair sam bith a bhiodh comhairle a dhìth air a h-aon dhiubh ruigeadh iad Taigh na Coille, agus gheibheadh iad comhairle ghlic, phoncail uaithe. Bha e dha chuid tuatha, ’na uachdaran math, ’na chaomh charaid, ’na fhear riaghlaidh glic, agus ’na dheadh chomhairleach. (Ri leantuinn.) Na Baird Ghaidhealach bho linn Oisein gu ruig a Bhliadhna 1400. A réir nan seann sgeulachdan, bha Conall Cearnach, mic Uisnich, Fraoch, Cuchullainn, agus Conlaoch nan gaisgich ainmeil. Bha iad ann aig toiseach na ceud linne bho theachd Chriosda. Bha iad uile fo ’n talamh roimh ’n bhliadhna 50 A. D. ’S e daoine a bha ’leanachd cogaidh mar cheaird a bha ’sna Fianntan. Bha iad air an ionnsachadh anns gach arm-chluich a bha cleachdte ri ’n am. Bha ard-cheannard aca, agus bha iad fo mhionnan a bhi umhailte agus dileas dha. Bha iad a cur seachad na h-uìne a sealg fhiadh agus thorc, a cumail ghnothaichean ceart ann an duthaich an righ dha ’m biodh iad a deanamh seirbheis, agus a cogadh as a leith nuair a bhiodh sin ri ’dheanamh. Bhiodh buidheann de dh-Fhianntan aig gach righ a b’ urrainn an cumail. Bhuineadh Cumhall, Fionn, Diarmad, Caoilte, Oisean, agus Oscar do Chlanna Baoisgne, agus bhuineadh Goll, Conan, Garaidh, agus Aodh Caomh do Chlanna Morna. Am bitheantas bhiodh an da bhuidhinn so a cogadh an aghaidh a cheile. Chaidh Cumhall, ard-cheannard Chlanna Baoisgne, a mharbhadh le Goll, ard-cheannard Chlanna Morna, aig blar Chnucha mu’n bhliadhna 210. Bha Fionn, mac Chumhaill, na ard-cheannard air Clanna Baoisgne re uine fhada. Bha e na dhuine tuigseach agus na sheanaileir math. Mharbhadh e le iasgair, do ’m b’ ainm Athlach, mu’n bhliadhna 283. Bha e na sheann duine aig an am. Chuir Athlach as da le morghath a bhradain a sparradh troimh amhaich. Fhuair Caoilte mac Ronain greim air an iasgair bhruideil, goirid an deidh dha Fionn a mhort, agus ghearr e ’n ceann deth. Chuireadh cath fuileach Ghabhra ’sa bhliadhna 284. B’ iad an luchd cogaidh Cairbre Lifeachair, ardrigh Eirinn, air an aon laimh, agus Mogh Corb, righ Mhumhain (Munster), air an laimh eile. Bha Clanna Morna air taobh Chairbre, agus Clanna Baoisgne air taobh Mhogh Choirb. Theab an da bhuidhinn so a cheile a sgrios. Bha Oisean air fear de na dh’ fhuirich beo. Thuit Oscar, a mhac. Thuit Cairbre Lifeachair cuideachd. Rugadh Padruig a reir coltais, faisg air Dunbreatunn. Chaidh e mar theachdaire-soisgeil do dh-Eirinn mu’n bhliadhna 432. Chaochail e mu’n bhliadhna 493. Rugadh Calum Cille an Eirinn sa bhliadhna 521. Bu mhac e do dh-Fheilim, mac Fhearghuis, mac Dhonaill, mac Neill Naoighiallaich, ard-righ Eirinn. Thainig e do dh-I ’sa bhliadhna 563. Chaochail e sa bhliadhna 593. Ma thug Albinn Padrig no dh-Eirinn thug Eirinn Calum Cille, duine a cheart cho math ri Padraig, do dh-Albainn. Thoisich na Lochlannich air tighinn do Shasunn sa bhliadhna 793, do dh-Albinn sa bhliadhha 794, agus do dh-Eirinn sa bhliadhna 795. Cha robh cogadh riamh eadar iad-fein agus muinntir Shasuinn, Alba, no Eirinn roimh na h-amannan so. Chaidh Mànus, righ Norway, a mharbhadh ann an Eirinn ’sa bhliadhna 1099. Tha ochd-ar-fhichead de dhain gaisge ann an leabhar Sheumais Mhic-Griogair, Deaghan Lismhoir. Tha e air a radh gun do rinneadh aon diu so le Conall Cearnach, aon le Caoilte mac Ronain, a dha le Fearghus Filidh, agus a naoidh le Oisean. Sgriobhadh a sios iad na leabhar le Seumas Mac-Griogair mu ’n bhliadhna 1512. Tha e lan chinnteach nach fac Oisean Padrig riamh agus nach robh eolas sam bith aig air na Lochlannich, ach le cluinntinn mu ’n deidhinn. Faodaidh sinn mar sin a bhi cinnteach nach deachaidh dan gaisge sam bith, ’sa bheil Padruig no na Lochlannich a tighinn a staigh, a chur ri cheile le Oisean. Chan fheil teagamh sam bith nach robh Oisean ann, s chan fheil teagamh nach robh e ’na bhard, ach a bheil a chuid bardachd againn an diugh? Chan fheil dearbhadh sam bith againn gun do chuir e ri cheile gin de na dain a tha air an ainmeachadh air an leabhar Mhic-Griogair. Faodidh e a bhith gu bheil a dha no tri de no dain sin, a chaidh a dheanamh gu math trath, ach air a shon sin chan fheil e leanachd gur h-e Oisean a rinn iad. Cha’n fheil teagamh sam bith nach robh moran de dhain air an ainmeachadh air Oisean, mu’n bhliadhna 1500, nach fac e riamh. Chuireadh an Duan Albanach ri cheile mu’n bhliadhna 1057. Chaidh a labhairt aig crunadh Calum a chinn mhoir. Tha e ag ainmeachadh nan seann righrean a bha air Albinn. Cha deach ainm an ughdair a chumail air chuinhne. Phos Sir Niall Caimbal, triath Loch-Odha, Mari Bhrus, agus bha mac aige do’m b’ ainm Cailein. Fhuair Cailean so coir sgriobhte air fearann Loch-Odha sa bhliadhna 1316. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1340. Theirteadh Cailain Math ris. Tha beagan de shreathan ann an leabhar Sheumais Mhic-Griogair a rinneadh leis. Ma bha e na bhard, is e a cheud bhard a ’s aithne dhuinn air ainm. Ach faodaidh e a bhith nach robh e na bhard. Cha’n fheil a h-uile fear a chuireas rann no dha ri cheile na bhard. Tha e lan chinnteach gun robh moran de dhaìn gaisge (heroic ballads) am measg nan Gaidheal fada roimh ’n bhliadhna 1400. ’Se ’s docha, mata, gun deach cuid diu sin a chur ri cheile anns a Ghaidhealtachd. Cha’n fheil bann sam bith againn gu a cho-dhunadh gur h-ann an Eirinn a chaidh an deanamh uile. Bha, codhiu, urad de bhardachd ann an Gaidheil Alba ’sa bha ’n Gaidheil Eirinn. A. M. S. Mu *Chorra-Ghrain Mhor America. Tha’n t-eun miorbhuileach so ri fhaicinn mu chuid de chladaichean America! ’Nuair a bhitheas e ag iasgach ann an doimhneachd uisge, cuiridh e solus a mach as a bhroilleach co laidir ri leus mor. Le so theid aig air pailteas a ghlacadh ann an tiota. Is mor an dearbhadh a thagaìnn air gliocas agus maitheas an Fhreasdail anns gach dhaigh th’ aig creutairean an domhain air teachd beo. ’S e so aon de na h-eunlaidh is eireachdail’ a tha ri fhaicinn. Tha e ro-gharg, agus feumaidh an cinnteach gu bheil e marbh, no mar’ eil ach leointe bithidh e na bhad, agus ’s ann air suilean an t-sealgair a bheir e a cheud ionnsuidh. *The great American Bittern. [TD 244] [Vol. 3. No. 31. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d, ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, FEBRUARIDH 2 1895 Tha dha no tri litrichean againn a fhuair sinn re na seachdain, nach urrainn dhuinn a chlò-bhualadh le cion rùm. Gheobh ar luchd-leughaidh iad anns an ath àireamh. Bha toiseach na bliadhna so anabarrach fuar ann an Alba. Tha na daoine ’s sine ’san dùthaich ag radh nach robh leithid a dh’ fhuachd ann o’n is cuimhne leotha. Bha cur mor sneachd’ ann cuideachd, na’s motha na bh’ ann riamh o bhliadhna ’chogaidh Ruiseanaich, da fhichead bliadhna air ais ’N uair a bha Diùc Earra Ghaidheal a labhairt aig coinneimh ann an Glascho air a choigeamh latha deug de’n mhios a dh’fhalbh, thuit e ann an neul. Ged chaidh e na b’ fhearr an ùine ghoirid, tha e lag, tinn, gu leòr, agus cha d’ fhuaireadh a thoirt gu ’dhachaidh fhéin fhathast. Tha e tri fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois. Tha e air innseadh dhuinn gu bheil Mr. Gladstone a’ cur roimhe dhol do thigh na pàrlamaid a rithist. Tha e air aiseag gu mòr ’na shlàinte, agus bidh a sheann chàirdean uile toileach fhaicinn nam measg aon uair eile. Cha’n eil e ’dol a ghabhail gnothuch sam bith ri riaghladh na rioghachd. Tha e nise ceithir fichead bliadhna ’sa còig a dh’aois, ach ged tha, cha’n e h-uile fear òg a leigeadh a leas a dhol ris, agus bidh e ’na neart mòr d’a phàirtidh fhéin anns a phàrlamaid. FHIR DHEASACHAIDH:—Chunaic mi òran Mhic Fhionghain o ’n Iar-Thuath anns a MHAC-TALLA agus thaitinn e gu math rium. Thug thu dhuinn e air Ian. 12. Cha’n eil na h-uile fear cho measail air an dùthaich ri Mac Fhionghain. Chuir “Domhnull diombach”—cha d’ fhuair mi riabh a mach co e—òran diomolaidh air Manatoba gu paipeir Mhic Coinnich ann an Inbhirnis an Alba, beagan bhliadhnachan air ais. Tha mi cur pairt deth a d’ ionnsuidh. Tha mi cur ad ionnsuidh mar an cundna òran a rimieadh ann am freagradh dha mar a leanas:— Teist Dhomhnuill air Manitoba. FONN—“Hi-ri-ri ho rathaill o, si ’n nighinn donn is boidhche.” Dh’fhàg sinn dùthaich fhallain bhlàth, Tacharach an taice ’n t-sáile Ged bha uachdarain na’m plàigh Bha sinn’ air lár ar n-eòlais. Rinneadh ‘plot’ le droch-bheairt suas Air taobh bhos a’s thall a’ chuain Chum gu’m mealladh iad an sluagh Gu tir an fhuachd ’s an dòlais. Dh’ fhaighneachd mi de Dho’all Chaluim Cuin a thig an deigh a talamh Thuirt e rium le tursa “a charaid” Fanaidh i ri d’ bheo ann. Nuair bhios ‘blizzard” san tir aognaidh Feumar béin gach béist mar aodach Cha dean clò de chlòimh ar saoradh Bheir a ghaoth an fheòil dhinn. Sinn ag obair air bheag tàmh Air fearann “Alcali” bhàile; ’S ged a thogamaid am bàrr, Bidh cus d’ an ghràn aig Seoras* Ma bhios mise beò gu Earrach Fàgaidh mi aig cach an t-earradh, Ruigidh mi Dakota thall-ud— Tha fearann ’us òr ann. DOMHNULL DIOMBACH. *Sir George Stephen an Rathaid-Iaruinn. Rinn ar càirdean glé mhath ruinn air a mhios a chaidh seachad, na’s fhearr na rinn iad ann an aona mhios riamh o’n chuir sinn ar ceud eolas orra. Tha sinn fada ’nan comain air son sin, agus fior thaingeil gu bheil na Gàidheil air an dòigh so a’ nochdadh an spéis do’n cainnt mhàthrail, agus a cur rompa gu’n cum iad suas am paipear Gàilig a dh’ airdeoin co theireadh nach cum. Bho ’n thòisich iad a bhliadhn’ ur cho math, tha sinn an dòchas gu’n lean iad mar sin, agus gu’m bi soirbheachadh mor leis a’ MHAC-TALLA air a bhliadhna so. Tha fhios againn gur e sin guidhe agus dùrachd a chàirdean anns gach cearna dhe’n t-saoghal. CUIMHNICH! gu bheil againn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEAN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 245] [Vol. 3. No. 31. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh faisg air naoidh mile fichead tunna feòir a chur a null a Shasuinn à Canada air a’ bhliadhna chaidh seachad. Tha bean ann an Cuibeic a tha nise pòsda ’n siathamh uair. Chuir i dithis fhear fo’n fhòd air a bhliadhna s’a chaidh. Tha àireamh de shoithichean smuide ’g an togail ann an Glascho air son tarruing a ghuail o na méinnein anns an dùthaich so. Tha dithis oifigeach airm aìr chall ann a Halifax, an drásda agus tha tri mile dolair a thugadh dhaibh air son a ghleidheadh, air chall còmhla riutha. Cha’n eil fhios c’ aite ’n tug iad orra. Thug fear Alasdair Bown, a mhuinntir Shidni Tuath, ionnsuidh air tigh’nn ri bheatha, maduinn Di-sathairne ’sa chaidh. Loisg e air fhein ’s chaidh am peileir ’na cheann. Tha na dotairean ann an teagamh ga thaobh, an tig no nach tig e uaithe. Bha stoirmeannan mòra sneachda anns na Staitein an Iar, mu mheadhon a mhios so, gu h-àraid ann an California. Bha na citheachan ann an àiteachan eadar fichead us deich troighean fichead a dhoimhnead. Bha maille mhor air a chur air na carbadan. Chaidh soitheach Frangach a bhristeadh faisg air Solus Louisburg deireadh na seachdain s’a chaidh. Chaidh a rup Di-luin agus fhuaireadh ochd oeud ’s da fhichead dolair oirre. Bha seanair us seanamhair fear de’n sgioba ’n còmhnuidh ann an Louisburg àireamh bhliadhnaichean mu’n tug Breatuinn a mach e. Chaidh duine bochd a mharbhadh aig Sand Lake air an rathad a thatar a togail eadar Cow Bay us Louisburg, ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha e ’g obair timchioll air a charbad iaruinn agus thuit e air an rathad, s chaidh an carbad thairis air. Bha a cheann air a ghearradh dheth. ’Se Frangach a bh’ ann agus bhuineadh e do New Brunswick. Chaidh fear Iain Mac Néill, a mhuinntir St. Peters, a mharbhadh ann an Quincey, Mass., Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair ann an gairbheal (quarry) agus thuit clach air, ’ga mharbhadh air ball. Bhuineadh pàirt dhe’n ghairbheal dh’a fhèin. Chaidh a thiodhlacadh ann am Boston. Bha e mu dha fhichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois; tha bràthair dha a’ fuireach ann an St. Peters, agus piuthar us bràthair eile ann am Boston. Tha bruidhinn ann an dràsda air drochaid ùr a chur air Amhainn St. Lawrence. Tha i gu bhi anabarrach mòr. Bi’dh i mu dha mhìle air fad, agus bi’dh i còrr us seachd fichead traidh os ceann an uisge. Cosgaidh i mu shìa muillein dolair. Bidh i air a togail air dògh ’s gu’m bi àite siubhail aig carbadan-iaruinn aig carbadan-each ’s aig coisichean oirre. Ma théid iad air adhart leatha, ’s gu’n cuirear crioch oirre, ’se drochaid ìongatach a bhios innte. Tha bruidhin aca ’sa bhaile air réis each a bhi aca air deigh na h-acarsaid mu mheadhon a mhios so. Tha tri duaisean ri bhi air an toirt seachad is fhiach còrr us ceud dolair. Tha sinn a tuigsinn gu bheil sùil ri àireamh mhath de dh’ eich a bhi ann, agus ma bhios an t-side gu math ’si réis a’s fhearr a bha ’n taobh so chionn bhliadhnaichean. Tha ’n t-side beagan na’s coltaiche ri side geamhraidh, ach tha i briagha gu leòr fhathast. Tha na h-acarsaidean air reothadh suas, ach cha’n eil an deigh air a meas làidir gu leòr fhathast gus eich us sleigheachan a bhi ri moran falbh oirre. Cha’n eil ach glè bheag de shneachda air an làr, ach tha na ròidean, mar a’s trice, cho math ’sa dh’iarramaid. ’N uair a bha ’na carbadan iaruinn a tha ruith eadar Sidni us Cow Bay a fàgail a bhaile Di-sathairne s’a chaidh, ge air bìth de chaidh cearr, chaidh fear dhe na carnadan bhar an rathaid, agus bha e air a dhroch bhristeadh. Cha robh ann ach aon duine aig an àm, Domhnullach a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, agus gu fortanach cha d’ rinneadh dochann sam bith air. Tha h-uile coltas air gu’m bi na ròin gu math pailt mu chladaichean Newfoundland air an earrach so. Tha ’n dùthaich sin aig a cheart am glé fheumach air rud-eigin a bheir cosnadh do na daoine bochda. Ach leis mar tha gnothuichean air a dhol bun os ceann cha bhi e comasach dhaibh an aireamh shoithichean a b’àbhaist dhaibh a chur a mach air a’ bhliadhna so, agus cumaidh sin ioma fear ’na thámh aig an tigh, a bhiodh aig an iasgach bliadhnaiachean eile. ’Sa mhaduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh nighean òg, do’m b’ ainm Nic-a-Phearsain, ’na cadal ri taobh an rathaid faisg air Glace Bay. A réir coltais bha i ann an sin a chuid bu mhò dhe’n oidhche, agus bha a da chois air reothadh cha dona ’s gu bheil ’na dotairean am barail gu feumar an gearradh dhith. Cha’n eil teagamh nach e deoch-chadail a thugadh dhi a dh’ fhàg ’san t-suidheachadh sin i. Tha àmhrus aca air fear a chunnacas ’na cuideachd aìr feasgar Di-ciaduin. Cha’n eil i ach sia bliadhn’ deug a dh’aois. Tha ’m fear a tha rannsachadh a mach mu chall na h-ighnne bige, Marta Roach, a’ deanamh mach gur e goid air falbh a rinneadh. An latha ’n deigh dh’i dhol aìr chall chunnacas a leìthid a’ dol troimh Shidni ann an carbad cómhla ri leith sheann duine, agus chaidh iad air adhart mar gu’m bitheadh iad a’ dol gu Sidni Tuath. Thaghail an duine ann an stòr air an t-sràid isil, ’s ghabh e drama, ’s cheannaich e mìllseanan dh’an nighinn. Bho’n fhuaireadh air an luirg a nise, tha dòchas againn nach fhada gus am faighear a mach c’ àite ’n do stad iad. Leighsidh Minard’s Liniment Déideadh. Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 246] [Vol. 3. No. 31. p. 6] ORAID. Coma co dhiu bhios as, no theid ann, Co bhios as no co théid ann, Coma co dhiu bhios as no co théid ann, Theid mise gu céilidh nan Gàidheal. Sin agaibh, fhir-mo-chridhe, na focail a bha mar rann dhomh fad seachduinn no dha. Bha iad ’g an seirm, ’s gan seinn ’n am inntinn, ’s ’n am chridhe, agus cha b’ ann gun aobhar. Bha coinneamh gus a bhi air a cumail aig na Gàidheil anns a bhaile seo, air oidhche challuinn. Thàinig oidhche na coinneimh, ’s b’ i sin an oidhche, agus céilidh cho taitneach, cha do thachair mi riamh air. Bha ceòl na pioba mòire a’ cur sùrd us sunnd air luchd mo ghràidh. Bha fearas-chuideachd agus Sgeulachdan Gaidhealach, òrain agus òraidean Gaidhlig a’ gabhail cuairt mu seach. Agus am measg chàich air ceann-uidhe nan sgeulaiche, bha fear ann, a labhair mar seo. Oidhche dhomh air coinneamh Ghaidhlig agus mi gu bhi feuchainn ri òraid a dheanamh. Dh’ eirich fear-na-cathrach agus thubhairt e; tha fios agam gu bheil mo theanga air fàs ro mhaol, agus cha’n ’eil teagamh nach eil sibh-s’ a’ toirt an aire gun do chaill i gleus na Gaidhlig. Ach am fear seo, a tha gu bhi labhairt a nis, bha esan anns an eaglais Ghàilig, ann an Dun-Eidinn, air an dòmhnach a chaidh. Mar sin is cinnteach gum bi a Ghàidhlig-san air a deagh ghleusadh agus gum faigh sibh òraid ghasd uaithe. Nis a’ chàirdean ge b’e an ni a thachair an àm sin, cha d’ fhuair mi a leithid sin de chothrom ullachaidh an tràsd. Ach a dh’ aindheoin sin, rinn mi fa chomhair na coinneamh seo, an t-ullachadh a b’ fhearr a b’ urrainn mi,—agus ’se seo e:— Rug mi air papeir-naigheachd Gàidhlig a chuir caraid ’g am ionnsuidh, o cheann eile an t-saoghail, agus leugh mis’ a h-uile focal a bh’ ann eadar ceann us crioch. Los gum biodh fios agam agus gun innsinn dhuibh, mar a tha cùisean a’ dol aig na Gaidheil thall. Ta fios agaibh mar tha, gum bheil moran de na Gàidheil air an sgaoileadh ’s air an sgapabh “a dheòin no dh’ aindeoin” air feadh an t-saoghail. Cuid dhiu a chaidh thairis air cuan, chuala sinn gun deach iad “gu tir a’ gheallaidh far nach fhaireichear fuachd.” Bha na Gàidheil riamh fulangach air teas agus fuachd, agus cuid eile a bha air am fuadachadh à tir nan ard-bheann. Rainig iad “cearn na h-éiginn, na h-eigh ’s an fhuachd” ann an tir “America” mu thuath, aite ris an canar a nis, “Albann Ur” (Nova Scotia.) Agus na daoine sin, ’n an gaisgeach mar a bha iad, thug iad leo, do ’n tir iomrallach sin, cainnt nam beann ’s nan gleann agus rinn iad ’n a cànain i do na cuirn ’s do na coilltean a tha co uamhasach agus cho lionmhor ann. Siad ma ta, sliochd nan daoine sin, a tha cur amach, agus a tha cumail suas a’ phaipeir sin, air an robh mi bruidhinn. Paipeir anns nach bi focal ach Gàidhlig. Paipeir anns am bi a h-uile fios us fiosrachadh, a h-uile naigheachd us neònachas, air chur sios anns a’ Ghàidhlig. Agus cha ne mháin sin ach chi nis’ ann, gum beil iad a gleidheadh air cuimhne, agus a cleachdadh mar a gheibh iad cothrom orra, iomadh focal Gàidhlig a tha ’n impis a bhi caillte oirnn aig an taigh. Chi mi cuideachd ann, naigheachd eile, nach eil idir cho taitneach. Tha fear a’ sgriobh’ mar seo ann. Tha moran dhe ’n òigridh againn a’ gabhail cosnadh anns na ’Stàitean Aonaichte, agus an uair a thig iad a rithist, ’n ceann bliadhna no dha, agus a labhras mi riu ann an cainnt am màthar, ’s ann a fhreagras iad gu gallda, “no Gàilig.” Is muladach da rireadh an sgeul, ach ciod e theirear. Nach tric a thachair an dearbh ni aig an taigh; nach eil sinn uile eòlach air Gàidheal no dha, a bha, an deigh dhoibh bliadhna gu leth a chur seachad anns na bailtean mòra mu dheas, a bha ’gabhail orra fein a bhi cho gallda ris na goill iad féin. Ach cha bhi mi trod riu, cha ruig mi leas agus gun neach dhe ’n leithid sin a làthair. Ach mar chomharradh air nach eil smior a’s spiorad nan Gàidheal a’ dol bàs cho ealamh anns na creutairean sin, cha do thachair mi riamh air Gaidheal galld’, (a dh’ aindheoin cho galld’ ’s a bhitheadh e, agus a dh’ aindheoin cho suarach ’s a chuireadh e a’ Ghàidhlig,) nach bu toil leis ceòl na pioba. Agus fhad ’s a bhitheas an deò Ghàidhealach mar sin, beó ’n a chridhe, cha-n eil fhios (agus dh’ fhaodadh dochas a bhi ann) nach tig mosgladh air agus gun tog e a cheann a’ rithist ’na fhior Ghàidheal còir, a tabhairt gràdh do na Ghaidhlig, agus a’ toirt urram do na daoine bho ’n d thainig e, direach mar a tha sibhs’ an comhnuidh a’ deanamh. Tha mi gle thoilichte a bhi làthair an nochd, agus gu dearbh thoilichte a bhi faicinn ann, a luithad chàirdean air am bheil mi eòlach. Dhuibh se uile gu léir, dhuibhse ’s aithne dhomh agus dhuibhse nach aithne, tha mi ’guidhe “bliadhna mhath ur” agus gun robh agaibh slaint’ agus suaimhneas sonas us aoibhneas an la chi ’s nach fhaic, an la a chi cho sunndach ri nollaig mhòr, agus an la nach fhaic cho suilbhir ri nollaig bheag. GALL-GHAIDAEAL. FAICIBH. Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh air MINARDS LINIMENT, agus a fhuair e deanamh feum dhaibh. C. C. RICHARS, Co. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. [TD 247] [Vol. 3. No. 31. p. 7] ORAN. AIR SEID,—“’Se mo chaochla mor a thanig.” LUINNEAG. ’Si Bhlidhn-Ur so ’dh’uraich bròn domh; ’Si Bhlidhn’-Ur so ’dh’fhàg gun sùnnd mi: Dh’fhalbh mo rùn a b’ùrail comhradh; ’Si Bhlidhn-Ur so ’dh’ùraich bròn domh. ’Si Bhlidhn’-Ur so ’dh’fhàg mi cianail; Thog i trom na’m chom-sa fiabhras;— Cha’n ’eil sùnnd agam ri gniomh O’n rinn mo chiall-sa triall o’n chórsa. ’S iomadh car ’thig air an t-shoghal Ann an ùine ghearr, nach saoìl sinn;— Gur e ghrian tha soills’ air raoinntean A bheir uisge ’s gaoth a neòill oirnn. Dh’ fhalbh an cailinn donn gun m’ fhoighneachd; Shaoil mi nach b’e sid a thoill mi;— Bheirinn gùn a bùth troi ’n choill dhut, ’S dheanainn daoimean’ chuir mu d’mheòiran. Cheannain earradh dhut de’n t-shioda Nach biodh deareasach an riomhachd; ’S bheirinn srann air ceòl na fiodhle Gus do mhi-ghean ’chuir air fògradh. Chunnaic mise ’n uiridh oidhch’ thu Ann an comunn—’s math mo chuimhn’ air— Bha do chridhe blàth le caoimhneas,— Shaoil leam nach robh foill ad chòmhradh. Bha do ghluasad uallach, ealamh, Cha robh fuath agam ri d’ ghealladh, ’S do dha shùil bu bhlàithe sealladh ’G amharc arm ’s a mealladh m’ òige. ’S iomadh àilleachd a tha fuaìghte Ruit, a ghráidh, ’thug bàrr an uaisle;— Do bheul mànran lan do stuamachd. ’S do dha ghruaidh air snuadh nan ròsan. Cha bhi mearachd, cha bhi fàilinn Ann a d’ aodach ann an càradh; Bidh gach fasan ùr a’s àille, ’Thig do’n àite, ort an òrdugh. Bidh gach fasan ùr a’s uaisle Ann an càradh grinn mu d’ ghuaillaibh; ’S bidh d’fhalt bachlach, cleachdadh, dualach Paisgte suas na chuairtean bòidheach. Làmh a ghrinneis thu ’s na fialachd, Cridhe caoimhneil, com na ciatachd, Meur na chraoibh thu ’s nach robh crionach; Tha thu ’shiol nach deanadh foirneart. Tha thu ’shiol nan curraidh ainmeil, Ann an cruadal, a bhiodh foirmeil;— Gheibhte anns na blaraibh dearbhadh Tric air fearraghleus na fear mora. Bu tu ’mhaduinn, bu tu flùran, Bu tu ’ghaoth, on ghàradh, cubhraidh, Ceann na céille, beul an t-sùgraidh;— Be mo dhùrachd thu bhi comhl’ rium. Fhir a siùbhlas thun an àite ’Bheil an ghruagach dhonn a tàmhachd, Aisig uam-sa mile fàilte Dh’ionnsaidh ’n àilleagain a’s bòidhche. Gùliain uam-sa mile beannachd Gu nigh’n donn nam buadh gun mhearachd; ’S innis dhi gur daor a leannachd ’Rinn a gaol a cheannach dòmhsa. C. Braighe Mhargree. Guth a Margaree. Tha mi faighinn MAC-TALLA gach seachduin; agus tha ’chòmhradh gu lèir, a’ toirt moran fears-chuideachd domh. Tha mi ann am dùrachd gu soirbhich leis gach la. Tha ’n geamhradh blàth, briagha, agus ràithdein math againn. Tha daoine, cho fad ’s léir dhòmhsa, toillichte as an staid. Tha chuid as momha den àite so air àiteach le Gáidheil, agus tha bòsd orm a ghràitean gu bheil iad uile ro-dheònach air spiorad agus cleachduinn nan laoch a bha thall a chumail suas, ged a tha cuisean a deanamh so deacair ann am pàirt. Tha ’n dannsa fhéin a’ dol a fasan glé mhòr, agus gu dé a’s bòidhche na ceathrar òga smiorail ’ga shiubhal air ùrlar le ceòl taitneach Neill Ghough. Ach tha eagal orm, ann am beagan bhliadhnachan eile, nach bi againn ach spriodadh gun tlachd. AOGHNAS BEAG. Cò i a mhaighdeann àillidh tha tighinn oirn air a h-éididh ann an deise ùir air shnuadh uaine? Tha fleasg do na blàithibh òg mu ceann, agus anns gach àit an leag i cas, tha lusan maoth a’ fas. Tha fuachd a’ teicheadh roimpe, leaghaidh an sneachda o fhireach nam beann, agus an teann reodha o gach linnidh, ’nuair a mhothaicheas iad ga h-anail chùbhraidh: sgaoilidh guch blàr a chòmhdach àluinn roimpe. Fosgailidh na cuileagan beaga féin a mach an sgiathan sioda, air an dùsgadh le caoimhneas a blàis. Tha ’n snothach a’ direadh na’n craobh a chuir fàilt’ oirre. Tha na h-uain bheaga co geal ris a chanach ri mireag ma’n cuairt di. Tha coin bhachullach na’n craobh ga failteachadh le ’n co’ sheirm cheolmhor. Tàlaidh na leannain bheaga r’ a cheile agus togaidh iad an nid chlùthmhor. A fhleasgaiche òga, agus a mhaighdeanna, chunnaic sibhse an òigh àillidh so, ma chunnaic innisibh dhomh cò i, agus ciòd e a h-ainm?—Ib. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 248] [Vol. 3. No. 31. p. 8] Iadsan a Phaigh Domhnull Mac Leoid, Park Hill, Ont. Tigh nan Cumantach, Ottawa, Iain Mac Thearlaich, Iain D. Mac Cuaig, Dunbheagain, Fearchar Deora, Ruairi Moireastan, Mac Crimmon, Domhnull Cuiridh, Flesherton Stat’n, Aonghas Mac ’Ille-mhaoil, Laggan, Domhnull I. Friseal, Vankleek Hill, Iain I. Sutherlan, Kerrowgare, N. S. Domhnull Camaran, Amhuinn Deas, I. M. Baillie, Stellarton, Dannacha Caimaran, Bridgeville, An t-Urr. D. Camaran, Georgeville, An t-Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell, P. E. I. Iain C. MacLeoid, Amhuinn an t-Sealgair, Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn, Tearlach Mac Coinnich, Alasdair Buchanan, D. B. Mac Leoid, Elliots P. O. Aonghas Mac Neacail, D. R. Stiubhart, Belle Creek, Alasdair Mac Citheagain, Everett, Mass. An t-Urr D. Healy, Peirce City, Mo. Aonghas I. Mac Fhearghais, Newark, N. J. Dr. Uisdean Mac Néill, Chicago, Ill. Aonghas P. Mac Leoid, Anaconda, Mont. Tearlach Mac Gilleain, Eureka, Cala. $2.00. D. Mac Cuaig, Abbotsford, B. C. Iain N. Mac Fhionghain, Wapalla, N. W. T. A. T. Dhomhnullach, Springhill, P. Que. Iain R. Domhnullach, Whitwick, $2.00. I. H. Staples, Dun-Eideann. Alba. Eoghan Domhnullach, Dunbheagain, Seumas Craigie, Brechin, D. M. Cuiridh, Sidni, C. B. Tormoid Mac Neill, Eoghan Mac-a-Phiocair, $1.50. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit, R. Mac Gilleain, P. M, Domhnull Mac Gill-fhinnein, Boulardarie. Iain Mac-a-Phi, seana Bhridgeport. Micheal D. V. Mac Neill, Xmas Island. Gilleasbuig Peutan, Judique. Aonghas Mac-a-Phiocair, Drochaid Mhira. Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake. Domhnull Caimbeul, Eilean nan Ian. Coinneach F. Mac Asguill, Loch Lomond. A. Bain, Port Hawkesbury. Domhnull Daimbeìl, Baddeck Mhor. Domhnull Mac Citheagain, Horn’s Road. Alasdair Caimbeul, Strathlorne. Aonghas Mac Ritchie, Baile-nan-gall. Bean Iain ’Ic Dhiarmaid, Stirling. Domhnull Mac Gilleain, Goose Cove. Coinneach A. Mac Fhearghais, L’ Ardoise. Crllum Mac Ghriogair, Malagawatch. Alasdair M. Mac Leoid, Framboise. Niall Mac Cuspìc, Grand River. Alasdair Domhnullach, Mira Gut. Ceit Anna Nic Fhearghais, New Boston. Alasdair Mac-an-t-Saoir, Catalone. Dughall Mac Gill-fhinnein, River Dennis. Aonghas Domhnullach, Amhuinn Mhuileach Iain Peutan, Mabou. Bantrach L. Dhomhnullaich, Malagawatch. Iain Mac Thearlaich, South Gut. Domhnull Moireastan, Blues Mills. A D Mac Dhiarmaid, Stirling. I W Domhnullach, Malagawatch Aonghas Mac Gilleain, Kennington Cove D R Boyle, Arichat-an-Iar. D. Mac Fhionghain, Gleann Ainslie Tormoid L Mac Leoid, Loch Lomond 50c. Domhnull Mac Philip, Uisdean Mac-a-Phi, Meadows, Murcha Mac Fhionghain, G. Valley, Ioseph Domhnullach, French Road Uisdean Calder, Malagwatch 25c. Rob Moireastan, Baì ’n Iar Iain A Mac Asguill, Sidni Iain D Camaran, Glengary Callum Mac Fhearghais, St Esperit Bean Thearlaich ’IcGilleain, Loch Ainslie S A Nic Gilleain, Iain Walker, Mira A. H. Mac Citheagain, Seumas Gillios, Rona, P. E. I. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 249] [Vol. 3. No. 32. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH, 9, 1895. No 32. Freagradh do Dhomhnull Deombach. ’S olc an obair do ’n a bhard Bhi cur bacail air na sàir, Da ’m bu chòir a th’ inn gun dàil A thàmh do Mhanatòba. ’S iomadh buaidh a th’ air an àit’ Rinn thu dhiomaladh na d’ dhàn, S gheibh thu mach an uine gheàrr Gur feárr e na Dacòta. Ged tha n geamhradh reota, fuar, Cha chuir sud oirn geilt mo gruaim, Aimsir shoileir, theioram, chruaidh, Cur dreach an gruaidh ’ar n òigridh. Theìd sinn gn clachan ’s gu féill, Air ’ar còmhdach ann am béin, ’S cha bhi domail dhuim no beud, Ged sheideadh a ghaoth reòta. ’Nuair thig an t-earrach le spìd, Theid gach fear a chur an t-sil, ’S cha bhi mathachadh a dhith Air talamh min a chòmhnaird. ’Nuair thig am foghar mu’n cuairt, Theid na machraichin a bhuain, ’S cha bhì duine gun a dhuais, A giùlan sguaban or-bhuigh. Tir an toraidh, tir an àigh, Tir na tuirneip ’s a bhuntàt, Tir ’s an dean an cruineachd fàs, An coirce bàn ’san t-eòrna. Tir na saorsa, tir nam buadh, Far nach leagir màl air tuath, ’S far nach faicir Bàillidh cruaidh A’ cur an t-sluaigh air fògradh. ’M fear a thig dhiobh an cabhaig Gheibh e taghadh air an fhearann; ’S ’nuair bhios cach gun chrodh, gun aighean, Bìdh esan dheth dòigheil. ’S iomadh Gàidheal smiorail cruaidh, Dh’fhàg a dhuthaich falamh, fuar, A tha ’n diugh na shuidhe suas, Le uaislin Msanatòba. Anns an Eaglais, ’s anns an Stàid, ’S leis na Gàidheìl nrram àrd; ’S mor an onair sud a ghnàth Do ’n tir a dh’ àraich òg iad. Mo luchd-dùthcha th’ ann an éis, Fagaibh fearann nach leibh fhéin; Thigibh thar fairge n’ ur leum, S na d’ thugaibh géill do Dhòmhnull. CARAID ’A DHUTHCHA. Litir a “Cabra Feidh.” FHIR-DEASACHAIDH.—Cha robh mi ’n dùil gu leiginn leis an t-seana bhliadhna dhol seachad gun sgriobhach thugaibh a ghuidheadh dhuibh féin agus do ’r leughadairean, “Bliadhna Mhath Ur,” ach bha mi cho dripeil aig deireadh na bliadhna ’s nach d’ fhuair mi cothrom air facal a chur thugaibh gu ruig so. Tha nithe Gàidhealach a dol air an aghaidh an so am bliadhna car mar a b’ àbhaist. Tha na Comunnan Siorramachdail a cumail danns agus coisir-chiùil an dràst ’s a rithist ach tha mi duillch a ràdh nach mor Gàidhlig a chluinnear aca. Tha ’n class Gàidhlig a soirbheachadh gu math agus tha’n céilidh a th’ aca aig ceann gach mios na choinneamh cho gasda ’s a dh’ iarradh neach fhaicinn. Cha chluinnear guth ach Gàidhlig fad na h-aidhche agus tha e glé thaitneach an òigridh a chluinntinn a scinn nan seann óran. Aig a’ choinneamh mu dheireadh sheinn Alasdair Hepburn òran a dh’ ionnsaich e à MAC-TALLA—“Gur moch rinn mi dùsgadh.” Bha mi rò thoilichte litir an “Americanaich” fhaicinn an àireamh 22. ’S iad na naigheachdan de ’n t-seòrsa thug e dhuinn a bu mhath leam fhaighinn bho gach cearn anns am beil MAC-TALLA a taghail. Na’n innseadh ar càirdean dhuinn ciamar a tha’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh feadh an t-saoghail, bheireadh iad misneach dhuinne tha deanamh ar dichioll air a cumail suas aig an taigh agus dhùineadh iad beul na muinntreach sin a tha daonnan ag radh gu’m beil i dol bàs agus nach ’eil ann ach faoinealachd do neach sam bith a bhi feuchainn ri ’cumail beò. Nach iongantach an ni e gu’m beil Comunn na Gàidhlig an New York direach anns an dearbh staid ’s a tha ’n comunn a tha dol fodh ’n ainm cheudna anns a’ bhaile seo mar a dh innis mi dhuibh o chionn ghoirid; agus tha e coltach gur e an aon ni a tha toirt an uilc mu’n cuairt anns an dà àite—’Se sin a bhi leigeil naimhdean (Goill) a steach do ’n champ. B’ fhearr leam gu mor Comunn fhaicinn anns nach bitheadh ach dusan ball na ’n robh an dusan na’m fior Ghàidheil agus comasach air labhairt ri ’chéile anns a’ Ghàidhlig, na Comunn eile anns am bitheadh na ciadan de’ n t-sluagh sin anns nach ’eil an spiorad ceart agus aig nach ’eil deidh sam bith air a bhi ’nan Gàidheil ach an ainm. Tha mi cinnteach gu’m beil ur leughadairean uile glé fhad an comain ar caraid “Aonghas” airson na deagh naigheachd a thug e dhuinn mu thimchioll na Gàidhlig an Oil-thigh Antigonish. Tha mi ’n dòchas nach dean “Aonghas” di-chuimhne air a bhi ’g innseadh dhuinn bho àm gu àm ciamar a tha’n class Gàidhlig agus an Céilidh a’ dol air adhart. Fhuair mi litir o chionn là no dhà bho’n fhior Ghàidheal sin Rob Mac Ille-dhuibh a Siam agus chuir e thugam seachd tasdain airson MAC-TALLA. Cha’n ’eil mi ’cur an t-suim so thugaibh an dràsd oir tha dùil agam gu’m bi tuilleadh agam air ur son an ceann’ seachduinn no dha, agus an sin cuiridh mi thugaibh còmhla e, ach bithidh mi ’n ur comain ma thoisicheas sibh air a’ phaipeir a’ chur a dh’ ionnsaidh mo charaid cho luath ’s a gheibh sibh so. Gheall mi dhuibh aig toiseach a’ Gheamhraidh gu ’m feuchainn ris an óraid a thug an Leighich Mac ’Ill’Iosa seachad aig a’ chlass Ghàidhlig eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus tha mi toilichte a ràdh gu’n deach agam air sin a dheanamh air dhòigh air choreigin ach tha droch eagail orm gu ’n do mhill mi moran di anns an eadar-theangachadh. Tha mi ’ga cur thugaibh leis a’ phost so, agus bu mhath leam na’n cuireadh sibh thugam àireamh no dha ’bharrachd air na’s àbhaist dhuibh a chuir de na h-àireamhan anns an clo-bhuail sibh i. CABAR FEIDH. Lunnainn, 21, 1, 95. [TD 250] [Vol. 3. No. 32. p. 2] TAIGH NA COILLE. LA IAIN. CAIB II. B’e Eachunn Ros, a b’ ainm do ’n uachdaran. Ged a bha ’n oighreachd farsuinn, b’ e Oighreachd Cheann-Locha, a theirteadh gu cumanta rithe, do bhrigh gu robh i aig ceann Loch a’ Bhuird, agus gach taobh dheth. Bhiodh an t-uachdaran a’ dol fad mìos no dha gach bliadhna gu ruige Sasunn a chur seachad dùdlachd a’ gheamhraidh maille ri càirdean ’s ri luchd-eòlais. Bliadhna dhe na bliadhnachan thachair gu tubaisteach gu ’n do ghoirticheadh gu h-olc e le leagadh a fhuair e bhar muin eich. Bha e fad thrì mìosan air an leabaidh ann an taigh aoin de ’chàirdean. Bha e fad a’ cheud dà sheachduin cho lag ’s nach robh dùil sam bith aige fhein no aig a’ mhuinntir a bha ’toirt an aire dha, gu ’m biodh e beò. Cha robh ni a b’ urrainn sgil lighiche, agus caoimhneas chàirdean, agus aire agus curam luchd-frithealaidh a dheanamh, nach d’ rinneadh ris. Nochd nighean òg a bh’ anns an taigh mòran caoimhneis dha. Ghabh i os làimh a bhith ’toirt an aire dha, an uair a thuig an luchd-sgile gu robh e air tòiseachadh ri dhol ni b’ fhearr. Bha dithis de na daoine a b’ fhearr sgil a bh’ anns an àite a’ frithealadh dha, ach, mar a dh’ aidich iad le chéile, b’ fhearr dha an aire agus an cùram a ghabh an nighean òg dheth, na na h-uile cungaidh-leighis a fhuair e o’n luchd-sgil. Bhuilich an Cruithfhear buadhan sònraichte air gach creutair a chruthaich e; ach cha ’n ’eil aon de na buadhan nàdurra a bhuilich e air a’ chinne-daon, a’s comharraichte na ’n comas a thug e do na mnathan, anns gach linn, air a bhith math gu altrum agus gu àrach na muinntir a tha òg agus lag, agus tinn. A réir choltais gu ’n do bhuilicheadh foighidinn mhath agus caomhalachd-inntinn ann an tomhas mòr air a’ bhoirionnach òg so. Thug an caoimhneas agus an aire a nochd i do dh’ Fhear Cheann-Locha, ann an àm a thinneis agus a thrioblaid, air a bhith mòran ni bu mheasaile air mnathan, sean is òg, na bha e riamh roimhe. Ged a bha e fhéin ’na dhuine ro chaomhail agus ro thruacanta gu nàdurra, bha e ann am beachd gu robh na mnathan ni bu chruaidh-chridhiche gu mòr na na fir. Fhuair am beachd so greim daingean air an inntinn aige, an uair a bha e glé òg, agus mar bu shine a bha e ’fàs, is ann bu treise a bha am beachd so a’ cinntinn suas ’na inntinn. Gus an toirear fa near an dòigh anns an d’ fhuair e ’àrach ’na òige, cha bhi e furasda dhuinn a thuigsinn cionnus a b’ urrainn duine, a bha gu nàdurra ro chaomhail, caoimhneil ris gach neach, a bhith ’g àrach beachd dhe ’n t-seòrsa so. Cha robh aig ’athair de theaghlach ach e fhéin. Beagan laithean an déign a bhreith dh’ eug a mhàthair. Chuireadh esan air chùram banaltruim, agus bha a bhanaltrum so a réir choltais, glé chas, cruaidh-chridheach gu nadurra. Air ghaol esan a chumail gu math fo smachd, bha i mar bu trice ni bu chruaidhe air na bu chòir dhi ’bhith. An uair a bha e ’na leanabh cha robh e ni b’ fhearr no ni bu mhiosa na bhiodh a h-aon sam bith eile a bhiodh ’na shuidheachadh. Bha ’athair a’ deanamh mòran dheth. Bha so nàdurra gu leòr ’s gun ann de shliochd ach e fhein. Bha gach aon de’n luchd muinntir a’ deanamh móran dheth, ge b’ e uair a thachradh e orra. Bha a’ bhanaltrum ann am beachd, gu feumadh ise a bhith ni bu chruaidhe air na b’ àbhaist dhi a bhith, an latha a bhiodh daoine eile ni bu chaoimhneile ris na b’ àbhaist dhaibh. Bha am paisde, òg ’s mar a bha e, a’ toirt fa near mar a bha cùisean, agus mu ’n gann a bha e aig aois gu leòr air son a bhith air a chur fo làimh fir-teagaisg, b’ fheudar a’ bhanaltrum a chur air falbh, agus fear-teagaisg fhaotainn a ghabhadh cùram dheth. Gu fortanach bha ’n duine ris an d’ earbadh cùram a ghabhail dheth ’na dhuine ciùin, foighidneach, tuigseach, agus ann am beagan làithean ghabhadh an t-oighre òg a chomhairle cho math ’s a dh’ iarradh e. Thug gach neach a bhuineadh do ’n taigh an aire gu robh e mòran ni b’ fhusa ri ’cheannsachadh ’s ri ’chumail à cron na bha e fo riaghladh na banaltruim. Cha ’n ann do na h-uile neach is aithne clann òg a riaghladh. Feumar foighidinn a chleachdadh riutha. Feumar an nàdur a th’ annta a thuigsinn. Feumar a bhith ciùin, sìobhalta riutha am feadh a dh’ fheumar an cumail fo smachd. “Na chi na big ’se ni na big: na chluinneas iad ’se chanas iad.” An uair a chi a’ chlann na pàrantan agus an luchd-muinntir a’ deanamh ni cearr, saoilidh iad gur còir dhaibh fein a leithid cheudna a deanamh. Cha’n ’eil iad a’ tuigsinn nàdur an uilc, agus mar sin, ged a ni iad olc, ni iad e mar is trice, a chionn gu bheil iad a’ faicinn muinutir eile ’ga dheanemh. Mar an ceudna, is i a’ chainnt a chluinneas a’ chlann bheag a bhios aca. Tha teaghlaichean ann aig am bheil e mar chleachdadh a bhith ’labhairt gu cas, greannach, frithir, crosda ri cach a cheile gach latha. Aon uair ’s gu ’n ionnsaich iad an cleachdadh truagh so cha bhi e furasda dhaibh dealachadh ris, ged a bhiodh toil aca. A thaobh an duine mu ’m bheil sinn a’ labhairt, feumar a ràdh, nach do dh’ ionnsaich e droch cleachdadh sam bith ’na òige ann am measg na muinntir a bha mu ’n cuairt air. Bha gach aon de’n luchd-muinntir fo dheadh ainm, agus maiseach ’nan caitheamh-beatha ’s ’nan giulan. Mur biodh iad mar sin, cha ’n fhaodadh iad bhith latha ann am muinntireas am maighstir. An uair a dheanadh iad fastadh ris, dh’ innseadh e dhaibh na coireannan air son an rachadh an cur air falbh. Bha so a’ toirt air gach aon mu’ n teaghlach a bhith gu mòr air am faicill, oir anns an àm ud bha e ’na thàmailt mhòir do neach sam bith, nan cuirteadh às ’àite e air son a dhroch dheanadais. Bha aon ni a dh’ easbhuidh air an duine so fad làithean òige, agus b’e sin, nach robh aon chuid màthair no piuthar aige. Cha do thuig e gu ro mhath riamh ciod e an ni a th’ ann an gràdh na màthar. Tha iomadh neach beò an diugh aig an robh màthair chaomh, a chaith a làithean agus a neart a’ togail a teaghlaich gu measail, cliùiteach. Ach tha mòran ann nach do thuig riamh, mar bu chòir dhaibh, meud a’ ghràidh a th’ aig màthraichean do ’n cloinn, agus air an aobhar sin, cha ’n ’eil meas aca air am màthraichean mar bu chòir dhaibh. Cha mhò na sin a thuigeas iad gu ceart, gn bheil a’ chuid a’s mò de mhnathan an t-saoghail gu nàdurra ro bhlàth-chridheach, agus a ghnàth deas gu bhith ’deanamh cuideachaidh agus comhnaidh leis gach creutair a bhios ann an eiginn no ann an cunnart bàis. Thug an trioblaid agus an cràdh cuirp a dh’ fhuiling Fearr Cheann-Locha, fad nan tri miosan a bha e air an leabaidh ann an Sasunn, atharrachadh mòr air an inntinn [TD 251] [Vol. 3. No. 32. p. 3] aige. Cha robh e latha tinn riamh roimhe sid. Bhiodh truas aige ri daoine an uair a bhiodh iad tinn, trioblaideach, ach cha b’ urrainn dhasan ni ’s mò na b’ urrainn do neach sam bith eile, fìor nàdur an tinneis agus na trioblaid a thuigsinn, gus an d’ fhairich e fhéin iad. Thug e fa near mar an ceudna gu bheil duine glé lag-chuiseach an àm an tinneis agus na trioblaid, eadhon ged a bhiodh mòr-shaoibhreas aige. An uair a tha duine ’na laidhe gu tinn air a leabaidh, biodh e bochd no biodh e beairteach, tha ’n aon fheum aige air frithealadh. Tha taigh math, comhfhurtail, seòmraichean blàtha, agus leaba ghlan, shocair glé mhath annta fhein; ach mur bi an luchd-frithealaidh ciùin, caoimhneil, foighidneach, fiosrach, bidh muinntir an tinneis mi-thoilichte. Thug Fear Cheann-Locha na nithean so fa near glé mhath, agus thòisich e ri smaointean gu faodadh trioblaidean agus tinneasan tighinn ’na rathad. Is e ’hhuail anns a’ cheann aige gu ’m bu choir dha an òg-bhean chiùin, a bha cho cùramach agus cho aoidheil a’ frithealadh dha fad nan tri miosan a bha e tinn air a leabaidh, a phòsadh. B’e so a’ cheud uair a smaoinich e air pòsadh, ged a bha e aig an àm a’ dlùthachadh ris an dà fhichead bliadhna. Leis mar a bha inntinn cho fad an aghaidh mòran de na cleachdaidhean a bh’ aig na mnathan uaisle air an robh e eòlach, bha e ’cur roimhe nach biodh cuid no gnothach aige ri pòsadh. Chuir an duine uasal a bha ’g a theagasg ’n a oige, agus a bha mar chomhairleach aige an déigh dha tighinn gu aois, car far a shiùil e mar an ceudna. Bha ’n duine so aon uair ann an trom-ghaol air mnaoi uasail òig; ach mar is minic a rinn té a bhàrr oirre, chuir i cùl ris, an uair a chunnaic i gu faigheadh i fear bu bheairtiche agus a b’ àirde inbhe na e. Chuir so intinn duine uasal cho mòr troimh a chéile ’s gu’n do bhòidich e nach cumadh e taigh no searbhanta gu bràth; ach gu ’n caitheadh e a bheatha ann an taigh duine eile. Chum e air a’ bhòid so; oir bha e ’na fhear-teagaisg agus na chompanach aig Uachdaran Chinn Locha fad iomadh bliadhna. A dh’ aindeoin cho fad ’s bha ’inntinn an Uachdarain an aghaidh dha pòsadh. thàinig e, mar a dh’ ainmeachadh mar tha, gu bhith ’faicinn gu ’m b’ e a ghliocas, o ’n a bha e gun phiuthair, gun dlùth bhana-charaid, aon fhaotainn a bhiodh dha ’n a bana-chompanaich dhìleis ann an àm na slàinte, agus a bhiodh cùramach uime, agus caoimhneil ris, nan tachradh dha a bhith ann an tinneis no ann an trioblaid. B’ i a’ bhean-uasal òg a bha ’frithealadh dha anns an tinneas an aon té, a réir a bheachd, bu fhreagarraiche air a shon anns gach dòigh a b’ urrainn da fhaotainn. Thàinig i o aon de na seann teaghlaichean cho measail ’s a gheibhteadh anns an t-siorrachd. Bha àrd-fhòghlum aice, agus cha robh pròis no meud-mhòr sam bith innte. Bha i ann an iomadh dòigh tur dealaichte o gach mnaoi uasail air an do chuir e riamh eòlas. Ged a bha i mu ’n cuairt air fad nan tri miosan a bha e tinn, agus ged a bha fios aice gu robh e ’n a dhuine measail anns an dùthaich, a bharrachd air a bhith ’n a dhuine eireachdail ri ’fhaicinn, cha do leig i fhaicinn riamh gu robh an toil bu lugha aice a bhith ’n a chuideachd, ach an uair a bhiodh i ’frithealadh dha mar bhanaltrum. Cha b’ ionnan ’s mar a bha an àireamh bu mhò dhe na mnathan uaisle a bha ’tachairt ris an uair a bhiodh e air chuairt ann an àite sam bith eile air feadh Shasuinn no Alba. Bha iad mar gu ’m biodh toil aca a bhith ’na chuideachd an comhnuidh. Cha ’n ’eil e ’cur ioghnaidh sam bith oirnn ged a bha so mar so; oir bha e anabarrach aoidheil, cuideachdail, còmhraiteach, tlachdmhor ’na dhòighean. Ged a smaoinich e uair is uair gu ’m bu chòir dha a’ bhean uasal ud a phòsadh, bha e ùine mhath mu ’n do làn-shuidich e ’na inntinn gu ’n deanadh e e. Bha caochladh nithean a’ tighinn fa chomhair na h-inntinn aige, a bha ’g a chumail air ais. Theireadh e ris fhein, nach robh fhios ciamar a fhreagradh bann-Sasunnach air uachdaran a bhiodh mar bu trice a’ fuireach ann an cearn iomallach de dh’ Alba, far an robh e mar chleachdadh aig an uachdaran a bhith ’cumail suas càirdeis agus caoimhneis, araon ris an tuath bhig agus ris na tuathanaich mhòra. B’ fhearr leis gun phòsadh idir na gu’n cuireadh a’ bhean eadar e fhein agus a chuid tuatha. Ach an uair a smaoinicheadh e air cho iriosal ’s cho iochdmhor ’s cho faighidneach ’s a bha i, theireadh e ris fhein, gu freagradh i glé mhath air. Theireadh e ris fhein mar an ceudna, nach robh fios an còrdadh an dóigh aoraidh a bha cumanta ann an Alba rithe. Cha b’ urrainn e, bha e ’smaointean, cur suas le mnaoi leis nach b’ fhiach a dhol do ’n taigh-aoraidh maille ris air Latha an Tighearna. Bha e ann am beachd nach bu chòir a dh’ fhear sam bith bean a phòsadh, mur biodh i deònach a dhol do’n eaglais maille ris a h-uile uair a b’ urrainn di. Is e rud a bhuail ’na inntinn air a’ cheann mu dheireadh, gu ’n cuireadh e an tairgse mu ’coinneamh agus gu ’n innseadh e dhi gu saor, soilleir mu gach dleasdanas a bhiodh aice ri dheanamh a thaobh na tuatha agus na h-oighreachd, nam pòsadh i e. (Ri leantuinn.) Comhairlean Leigh. ’Se ’n t-aon leigheas air gach anashacair gabhail aige gu tràthail. ’Nuair a dh’ fhair’ eas duine grisfhuachd air, agus laigsinn mu na h-uilt, le càil eiginn de chrith, bu choir na cosan a chuir ann an uisge blàth gu ruig na gluinean, agus am fagail ann car ùine bheag: na dhéigh sin grad dhol a luidhe, agus deoch bhrìoghor bhlàth òl, a chuireas fallas diubh; agus gu h-àraidh deagh phurgaid mhath, laidir a ghabhail, agus mar ’eìl na cùngaidhnean sin aca r’ am faotainn, cha bhi iad gu h-olc dheth fhad ’s a tha iad dlùth do ’n t-sàile. Rachadh so a ghnàthacha car latha no dhà, agus feudar iomad droch fhiabhras a chumail air falbh. ’Nuair a thig droch fhuachd agus cratan, le casataich air duine, deanadh e mar thuird sinn; ach ma mhothaicheas e greim na thaobh a cur stad air anail, tha e feumail beagan fol’ n tharruing, agus os ceann gach ni an air’ a thoirt nach bi e teann ’na chorp. ’Nuair a dh’ fhairgheas duine goirteas mu iochdar a chuirp no m’ an ghoile, ’s e ’n aon ni purgaid a ghabhail gun dàil, cùrainn a thumadh ann an uisge teith, agus an déigh fhàsgadh gu teann, a chàramh ris an aite sa bheil an goirteas agus ’nuair a dh’ fhasas e fiunnar a bhlathteachdadh a ris, agus an t-àit earabhruicheadh air an doigh cheudna. Ma tha e comasach se an doigh is fearr a cholain gu h-uile a thumadh an uisge plodach. Is tric le muinntir dùchadh ’nuair thig tinneas, ’na ’n caramh làmh a thoirt air deochannaibh làidir de fhion no dh’ uisgebeatha; ach cha ’n ’eil ni is cunnartaiche dhaibh na so ann an toiteach tinneis; ’nuair tha gach cunnart fiabhruis thairis, cha dean beagan de sin coire dhoibh.—Ib. [TD 252] [Vol. 3. No. 32. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, FEBRUARIDH 9, 1895 BHA stoirm mhor ann an Gàidhealtachd na h-Alba toiseach na seachdaìn so. Thuit meall mor sneachda. agus thainig fuachd mor leis. Tha na carbaid-iaruinn air an cur ’nan tàmh, ’s cuid dhiubh an sàs ann an citheachan sneachda. Tha na féidh ’s na caoraich a faighinn tàire mhor; na miltean dhiubh air am meileachadh leis an fhuachd no air an tachdadh anns an t-sneachda. Bha ’n stoirm cheudna aca air a Ghalldachd, agus rinn i call mor air daoine ’s air ainmhidhean. ’S i ’n stoirm a’s miosa ’bhuail Breatuinn o chionn ioma bliadhna. THA Pàrlamaid Bhreatunn na suidhe air an t-seachdain so. Shuidh i Di-màirt. Tha phàirtidh aig a bheil an riaghladh, a réir coltais glé lag. Tha ioma ni an crochadh riutha a bhios glé dhoirbh dhaibh a chur air doigh. Ged tha Rosebery na dhuine tapaidh gu leor, cha’n eil e cho làidir, no cho seolta sa bha Gladstone ’na latha fhéin. Mar tha gnothuichean anns an rioghachd aig a cheart àm, cha ’n ann do dhuine lag-lamhach a thigeadh a dhol air an stiùir. Ach theagamh nach deanadh iadsan a tha ’n aghaidh Rosebery dad na b’ fhearr ged bhiodh iad fhéin mu chùl a ghnothuich. “Saoilidh am fear a bhios ’na thamh ’gur e fhéin a’s fhearr làmh air an stiùir.” Facal a Ceap Nor. A CHARAID,—So dhuibh dolar o bhur caraide Domhnull Moireastan. Tha e air a bhi leughadh àireamhan de’n MHAC-TALLA o àm gu àm, ach tha e nis a’ cur roimhe gu’m faigh e gach áireamh an deigh a chéile mar a dheasichear iad. Ma chuireas sibh d’a ionnsuidh e gu riaghailteach fad bliadhna, ’s gum faigh sibh féin agus esan a bheag a shaoghal an deigh sin, ’s cinnteach mise gur iomadh dolar eile bhios aige feitheamh oirbh. Tha sinn glé thoilichte bhi faicinn gu bheil àireamh luchd-gabhail a MHAC-TALLA a sior mheudachadh, Na saoileadh Gàidheal sam bith gu bheil e na dhuine dleasnach ma tha e ’tighinn baò as eugmhais. Cha-n ’eil a bheag a naidheachdan agam an dràsda. ’N uair a bhitheas, feudidh gu’n cluinn sibh uam a rithisd. M. D. Ceap Nor, Ian. 23, ’95. SEAN FHACAIL Is ann aige-san is mo a their is lugha tha ri radh. Seachain an t-suil a tha teoma air faicinn an uilc agus mall a dh-fhaicinn a’ mhaith. Cha ’n arrainnear a radh gu ’n d’ thainig bàs ath-ghuirid air-san a chunnaic laithean fada. Is aithne do ’n duine ghlic ’aineolas fein, ach tha an t-amadan am barail gur aithne dha na h-uile nithe. Cha ’n ’eil ni sam bith urramach nach ’eil neo-lochdach, no ni sam bith suarach nach ’eil a’ tarmachadh an uilc. Is e ar cridhe fein, agus cha’n e barailean sluaigh eile, a bhuilicheas meas agus urram oirnn am measg ar co-chréutairean fein. Iadsan a tha toigheach air a bhi cur an ceill a’ h-uile ni a’s aithne dhoibh, tha iad ealamh gu bhi ’cur an ceill tuilleadh ’s a ’s aithne dhoibh. Far am bheil ceann air a dheagh lionadh le gliocas, gheibh e tamh agus fois air gach cluasaig a dh’ fheudas amhgharan an t-saoghail a chur fodha. Cha taitneach leinn a bhi air ar mealladh le ’r naimhidibh, agus air ar treigsinn le ’r cairdibh, gidheadh tha sinn gu minic air ar mealladh agus air ar treigeinn leinn fein. CUIMHNICH! gu bheil againn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 253] [Vol. 3. No. 32. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha pàrlamaid Nobha Scotia a nsie ’na suidhe, agus a’ cur air dòigh gnothuichean a thaobh riaghladh na dùthcha. Tha Sidni air a riaghladh le bàillidh agus sia seanairean. Dhiubhsan a th’ ann an dreuchd air a bhliadhna so, cha’n eil ach aon fhear aig nach eil Gàilig, agus am fear sin fhéin, bha Gàilig aig a phàrantan. Tha caraid a Eilean a Phrionnsa ag iarraidh sgeul air teaghlach de chloinn-an-Aba, a thàinig a mach à Alba ’sa bhliadhna 1840, agus a rinn àiteachan ann an Sidni no ’n àit-eigin faisg air. Ma’s urrainn do neach sam bith innse dhuinn c’ àite bheil iad fhéin no an sliochd, bu mhath leinn cluinntinn uatha. Bhrist teine mach ann am Montreal oidhche Di-màirt agus bha dha no tri thaighean air an losgadh. Bha bàthach air a losgadh, agus chailleadh àireamh de dh’ eich ro fhiachail. Bha aon each a b’ fhiach ceithir mile dolair air a losgadh. Bha fiach leth-cheud mile dolair de thaighean air call. Thanaig duin’ òg do’m b’ ainm Uisdean Mac Eachainn dhachaidh à Montana o chionn ghoirid, agus chaochail e ’n tigh ’athar, air taobh deas an Eilein Mhóir air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e o chionn beagan bhliadhnachan ag obair ann am méinn airgid. Bhrist air a shlàintè toiseach a gheamhraidh so, agus thainig e dhachaidh feuch an rachadh e ’m feabhas. Tha e air innseadh dhuinn a nise nach b’ i Marta Roach, a’ chaileag bheag a th’ air chall, a chunnacas còmhla ri seann duine ’dol troimh Shidni idìr. ’S ann air an latha mu dheireadh dhe’n t-seana bhliadhna ’chunnacas duine agus caileag bheag a’ dol troimh ’n bhaile, agus cha deachaidh Marta Roach air chall gu feasgar latha na Bliadhn’ Uire. Cha b’ urrainn, mar sin, gur h-i bh’ ann. Cha d’ fhuaireadh fios cinnteach de sheòrsa sam bith dh’ a taobh fhathast. Bu chòir na h-ainmean a leanas a bhi ’measg na h-àireamh a phàigh air a mhios s’a chaidh:— Dr Mac Thearlaich, Cypress River, Man. A Bruce, Grand View, P. E. I. Alasdair Feargastan, Grand River. Cha chuir sinn an còrr ainmean anns a phaipear gu toiseach an ath mhios, agus an sin clo’bhuailidh sinn ainm na h-uile phàigheas ré a mhios so. Tha sinn an dòchas gu faic ar càirdean nach bi an aireamh air deireadh air àireamh a mhios mu dheireadh. Tha ’n t-sìd fhuar a thàinig oirnn leis an earrach an deigh na h-acarsaidean ’s na lochan ’s na h-aimhnichean a chòmhdach thairis le deigh. Tha gach bàta ’s soitheach, beag us mòr, air gabhail mu thàmh, agus tha daoine ’s eich us sleigheachan a’ gabhail an àite. Tha muinntir nan each luatha a’ stri ri chéile feuch cò aige tha ’n t-ainmhidh a’s mó chuireas de dh’ arstar na dheigh. Cha bhiodh iad sin idir toileach an geamhradh a dhol seachad gun reothaidhean a thighinn, ge b’ e dé bu mhiann le feadhain eile. Thainig bàs glé aithghearr air seann duine mhuinntir a bhaile so, do’m b’ ainm Tòmas Routledge, ’sa mhaduinn Dior-daoin. Bha e air a thurus gu Pictou, agus aìg na Narrows Mhòra, thainig e as a charbad gus a bhraiceist a ghabhail. Cha robh e ach beagan cheumannan air adhart ’nuair a thuit e, agus mu’n d’ fhuaireadh a thoirt air ais dh’an charbad bha e marbh. Thugadh a chorp dhachaidh a Shidni air a charbad-fheasgair. Thainig an stoirm bu mhotha chunnaic sinn air a gheamhradh, air an t-seachdain so. Thòisich i oidhche Luain agus cha do sguir i gu maduinn Di-ciaduin. Bha cur mor sneachd’ ann, agus cathadh fiadhaich, Bha na roidean air an dùnadh suas, agus fad latha no dha, cha robh dòigh air gluasad. Bha ’n carbad-iaruinn air a chumail air ais gu mor leis an t-sneachda fad latha no dha. Cha do thuit uiread sneachda air tir-mòr ach bha ’n t-side a cheart cho doirbh aca. AN TRACHDAIRE GRUAMACH.—Aig Loch na h-Aimhne Deas, N. S., air maduinn na Bliadhn’ Uire, chaochail Iseabail, bantrach Alasdair ’Ic-an-Tóisich, 96 bliadhna dh’ aois. Aig an àite cheudna, air an 17mh latha de’n bhliadhna, chaochail Ailein Mac Neachdain, 73 bliadhna dh’ aois. Bha iad so le chéile dhe’n cheud fheadhain a thog fearann aig an Loch, agus bha iad fo dheagh chliù, agus measail aig na h-uile. Bha Mr. Mac Neachdain na dheagh sgoilear Gàilig agus glé mheasail air a chainnt mhàthrail. Bha co-chruinneachadh mòr de leabhraichean Gáilig aige. Bha Di-màirt, latha ’n Taghaidh, gle stoirmeil, ach ge do bha, thainig a chuid mhòr de mhuinntir a’ bhaile mach le ’n cuid “bhòtaichean.” Fhuair Aonghas Domhnullach a stigh ’na Bhàillidh, agus fhuair Iain Mac Gill-fhaollain, Aonghas Mac Gilleain, agus Dòmhnull Domhnullach a bhi ’nan seanairean. Tha sinn an dòchas gu’m bì iad uile ’nan luchd-riaghlaidh a bhios glic agus ceart. Ann on Sidni Tuath, bha Uilleam Purves air a chur a stigh ’na bhàillidh, agus D. Rudderham, Uilleam Horne, R. Musgrave, agus Uilleam Tobin, ’nan seanairean. Ann a Hawkesbury, bha Alasdair Mac-an-Toisich air a chur a stigh ’na bhàillidh, agus Caipt. I, Philpot, Uisdean Mac Coinnich, agus Iain W. Kite, n’an seanairean. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh SAOR AIR SON AIRGID. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 254] [Vol. 3. No. 32. p. 6] NA BAIRD GHAIDHEALACH BHO’N BHLIADHNA 1400 GU RUIG A BHLIADHNA 1525. Am measg uam bard ’s nam bana-bharda bha ann o ’n bhliadhna 1400 an nuas gu ruig a bhliadhna 1525 bha an fheadhainn a leanas; Lachainn Mor Mac-Mhuirich, Mac Eachaig, Gillecriosd Taillear, Donnachadh Mor o Leamhanach, Efric Nic-Corcadail, Gillecalum Mac an Ollaimh, Ailain Mac Ruari, Donnachadh Mac-Caibe, Iain Mac Eachairn, Iain Chnoideirt, Pheilim Mac Dhughaill, Donnachadh Mac-a-Phearsain, Anndra Mac an-Toisich, Eoghan Mac Combaidh, am Bard Mac-an-Saoir, Sir Donnachadh Mac-Cailein, Mac Gillfhiondaig, Dughall Mac Gilleghlais, Fionnladh Ruadh am Bard, Maoldonach Mac Aonghuis Mhuilich, ann Bard Muileach, Mac-Cailein, Iseabal Ni Mhic-Cailein, Sir Iain Stiubhart, Mac-Mhuirich, agus Donnachadh Mac-Griogair. ’S e Lachainn Mor Mac-Mhuirich a cheud bhard Gaidhealach air a bheil iòmradh againn. Ged nach h-fheil moran de bhardachd anns a bhrosnachadh-catha a dh’ fhag Lachainn, chan fheil teagnmh sam bith nach robh e na bhard comasach. Tha tri dain againn bho Ghillecalum mac an Ollaimh. Tha fear diu sin air bas Chonlaoich’. Tha e gle choltach gur h-e Peirteach a bha ann an Ailean Mac Ruari, agus gun robh e a comhnuidh lamh ri Gleann Sith. Tha aon dan againn a rinn e air bas Dhiarmaid agus dan eile a rinn e air bas Oscair. ’S e ’s docha gur h-ann an Gleann Sith a bha Eoghan Mac Combaidh, cuideachd, a gabhail comhnuidh. Feumidh e a bhith gur h-e Mac-an-Toisich a bha ann. Tha e gu math coltach gur h-ann faisg air Loch Rainneach a rugadh am Bard Mac-an-t-Saoir, agus gun deach e a dh’ fhuireach lamh-ri Loch-Innse am Baideanach mu ’n bhliadhna 1497. ’Se ’s docha gur h-ann bhuaithe a thanig Clann-an-t-Saoir Bhaideanich;—Shaws MacKintoshes, and Clan-Chathan, p. 165. B’ e Sir Donnachadh Mac-Cailein Sir Donnachadh Caimbal, triath Ghlinn Urchaidh. Chaidh a mharbhadh am Floden ’sa bhliadhna 1513. Rinn Fionnladh Ruadh am Bard dan air bas Ailain Mhic Ruari, a chaidh a dhith-cheannadh aig Blar Atholl sa bhliadhna 1509. Bha droch naimhdeas aig Fionnladh dha. Tha e ag radh nach robh ann ach, “Aon diabhal nan Gaidheal.” Bha duine anns a Ghaidhealtachd mu ’n bhliadhna 1175 do ’m b’ ainm Donnachadh Mac Duibhne. Bha mac aige do m b’ ainm Dughall; bha mac aig Dughall do ’m b’ ainm Gilleasbig; agus bha mac aig Gilleasbig do’m b’ ainm Cailain. A reir beul-aithris bha brathair aig Dughall do ’m b’ ainm Iamhair, agus b’ e so an t-Iamhair bho ’n danig Clann-Iamhair. Chan fheil dearbhadh sam bith ann gur h-e brathair do Dhughallt a bha an Iamhair. Mar sin, faodaidh e a bhith nach h-fheil cairdeas sam bith eadar na Caimbalaich is Clann-Iamhair. Theirear ann an Eachdraidh ri Cailain Mac Ghilleasbig mhic Dhughaill, “Cailain Mor.” Bha mac aige do ’m b’ ainm Niall. Bha Niall na dhuine glic, gasda. Chog e gu dileas, duineil air taobh a Bhrusich. Bha mac aige do ’m b’ ainm Cailain. “Cailain Math;” bha mac aig Cailain do ’m b’ ainm Gilleasbig, agus bha mac aig Gilleasbig do ’m b’ ainm Donnachadh, “Donnachadh an aigh.” Bha da mhac aig Donnachadh, Gilleasbig agus Cailain, Is ann bho Chailain a thanig teaghlach Bhraidalba. Chaochail Donnachadh an Aigh ’sa bhliadhna 1453. Chaochail Gilleasbig a mhac roimhe Bha mac aig Gilleasbig do ’m b’ ainm Cailain. Thanig Cailain so a staigh an aite a sheanar sa bhliadhna 1453. Rinnaadh na Iarla e sa bhliadhna 1457. Chaochail e ’sa bhliadhna 1493. Phos Cailain, ceud Iarla Earra-Ghaidheal, Isabal Stiubhart, nighean do dh-Iarla Stiubhart, Morair Lathurna. B’ e a mhac Gilleasbig, “Gilleasbig Ruadh,” an darna h-Iarla. Bha seachdnar chloinne aige Gilleasbig, Cailain, Gilleasbig, Iain, Ealasaid, Iseabal, agus feadhainn eile. Chaidh a mharbhadh am Floden sa bhliadhna 1513. Thanig Cailain a staigh na aite. Bha Ealasaid posda ri Lachainn Catanach. Rinn Cailain, an treas Iarla, beagan de na rannan a tha ann an leabhar Sheumas Mhic Griogair. Rinn Iseabal a phiuthar, a dha no tri de dh-orain ghoirid. Bha triuir nighean aig Iain Stiubhart, Morair Lathurna, ri a mhnaoi, agus bha mac diolain aige do ’m b’ ainm Dughall. Bha Dughall na thighearna air an Apuinn ’sa bhliadhna 1493. Thanig a mhac Iain a staigh air an Apuinn na aite. Rinn Iain so,—Sir Iain Stiubhart, tighearna na h-Apunn,—dan no dha. Bha mac aig Iain Riabhach mac Griogair an Gleann-Liobhain ris an abairteadh Dughall Maol. Bha da mhac aig Dughall Maol, Seumas agus Donnachadh. Tha Seumas a tachairt ruinn mar notair sa bhliadhna 1511, rgus mar dheaghan Lismhoir ’sa bhliadbna 1514. Chruinnich e moran de dhain ’s de rannan eadar 1510 agus 1525. Gu fortanach chaidh curam math a ghabhail de ’n cho-chruinncachadh so. Chaidh a chuid mhor dheth a chlo-bhualadh sa bhliadhna 1862. Bha Donnachadh Mac-Griogair, brathair an Deaghain, na bhard. Ann an aon de na dain a dh’ fhag e tha e ’toirt gearr-iomraidh dhuinn air Cloinn-Ghriogair agus air na triathan aca. Bha e na dheagh sgoileir. Bha Galig is Laideann gu leoir aige. Thigeadh e do na Gaidheil a bhi gu mor ann an comain an Deaghain Mhic-Griogair airson nan dan a chruinnich e sa dh’ fhag e ann an leabhar-sgriobte againn. ’S math an gnothach nach deach an call. ’Se ’n t-Olla Mac-Lachuinn a bha ’n Duneideann a chuir am mach co-chruinneachadh Mhic-Griogair. Bha obair mhor aig’ air. Bha e duilich a leughadh ’s duilich a thuigsinn. Tha mi a toirt nan rannan a leanas a co-chruinneachadh an Dotair Mhic-Giileain;— “Teachdaireachd Mhic-Cailein gu Mac-Dhomhnuill.” ’S mis a bhcithir laidir, bhorb, ’S mairg a bheanadh ri m’ cholg. Ge b’ e bheireadh am mach m’ fhearg, Tha i dearg mar Dhriothlunn ord. “Freagairt Mhic-Dhomhnuill,” ’S mairg a bheanadh ri m’ Shamhuil, Mar cheann nathrach ’s a teang air chrith. Tha mi geur an deidh mo bhearradh, Beist air bun a h-earra ’dhith. Beithir nathair mhor. Driothlunn, sradag, gath soluis. Earr, earball. A. M. S. Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 255] [Vol. 3. No. 32. p. 7] Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH,—Ceadaich dhomh beagan sgriobagan a chur g’ad ionnsuidh air an àm so, a dh’innseadh mar tha sinn a’ cur seachad a’ gheamhraidh anns an àit so. Tha cuid ’ga chur seachad ann am bròn, a’ caoidh chàirdean a chaidh a thoirt air falbh leis a’ bhàs. Cuid eile ’ga chur seachad gu cridheil, sùnndach, a chionn gu bheil an saoghal a’ dol leotha gu math. Cuid eile gu breòite tinn agus cudthrom mòr nam bliadhnachan a chaidh seachad ’g an tarruinn sios gu luath gu ceann an turuis. Tha mòran de’n chloinn air an leagadh sios leis an amhaich ghoirt. Tha cuid dhiubh a’ caochladh leis ach tha e nise ’dol air ais seach mar bha e. Cha mhor de na seana Ghàidheil a tha beò a nis anns an àite seo,—dhiubhsan a ghiulain fuachd agus cruas an latha ’n uair bha ’n t-àite ’na fhàsaich choilltich, leth cheud bliadhna air ais. Tha seana bhean faisg orm a tha ceithir fichead ’sa tri deug a dh’ aois. Cha do ghabh i ùnnsa de chungaidhean-leighis dotair riamh, agus tha i gu làidir, fallain, fhathast. Faodaidh bhith gu’n dean i an ceud dheth. ’Se mo mhor bharail fhéin nach eil stuth cho math ann an linn an latha ’n diugh ’sa bha anns an linn a dh’ fhalbh. Bidh tinneas grùain, no tinneas cridhe, no tinneas air choreigin eile orra. Tha mi a’ faicinn ann an litir “Dhomhnuill Eachuinn” gu bheil a Ghàilig air a cumail beo ann am baile New York, ’n uair tha sgoil Shabaid aca innte. Ma ta, tha e nàrach dhuinn fhéin ann am baile beag Priceville, far nach b’ urrainn do dhuine moran mearachd a dheanamh ge do labhradh e Gàilig ris gach dàrna duine air an coinnicheadh e, agus cha do smaoinich duine riamh air sgoil Shabaid Ghàilig a chur air chois. Faodaidh e bhith gu’n gabh cuid d’ ar seanairean Gàidhealach (nach urrainn moran cuideachaidh a dheanamh ’sa sgoil Bheurla) nàire dhiubh fhéin, agus gu’n tòisich iad air Gàilig a theagasg, oir tha gu leor de chloinn againn a labhras i gu math, agus gu cinnteach bhiodh e ’na rud taitneach na’m biodh i air a’ teagasg dhaibh ’nan oige. Tha ochdnar eildearaa againn anns an eaglais Chléirich aig a bheil Gàilig, agus dithis aig nach eil. ’S e ’s ainm do na h-eildearan Gàidhealach, Domhnull Mac Aonghais (Sgoilear), a tha ceithir fichead agus coig bliadhn’ deug a dh’ aois, Seumas Dòmhnullach, Dughall Mac Gilleain, Ailein Mac Gilleain, Alasdair Mac Gilleain, Domhnull Domhnullach, Niall Mac Coinnich, agus Alasdair Monaich. Luchd na Beurla,—Iain Mather agus Iain Simpson. Tha sneacha gu math domhain againn an so. Tha e air an àm so mu thri troighean air a chomhnard. Cha robh moran againn gu Bliadhn’ Ur. Bha ceud mios na bliadhna gu math fuar o’n thàinig e stigh. Bha ’n reothadh air uairean 15° fo zero, agus tha sin fuar gu leor. Tha biadh spréidhe gu math gann am bitheantas. Tha fiar bho ochd gu deich dolair an tunna. Tha prisean gràin gu math iosal:—Coirce, 27c am buiseal agus flùr math an $2.75 am barailte. ’S math am biadh a bhi saor, ach ged bhiodh am bolla air an sgillinn ’nuair nach eil an sgillinn ann tha e gu math duilich fhaotainn. Cha bhi mi ’sgriobhadh tuilleadh air an am so, oir tha eagal orm gu’n d’ rinn mi mo litir tuilleadh is fada cheana. Tha stoirm mhor againn bho’n thoisich mi air sgriobhadh. Tha na roidean air an dùnadh le torran sneachda. Is mi do charaid, IAIN MAC GHILLEASBUIG. Priceville, Ont., Ian. 28mh, ’95. Leighsidh Minard’s Liniment Déideah. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 256] [Vol. 3. No. 32. p. 8] Ochoin, a Righ, Gur a mi ’tha Muladach! Ochoin, a Righ, gur a mi tha muladach! Nach robh mì thall an Loch Aills’ a’ fureach leat. Far ’m bi na h-òigearan ’g òl nam buidealan A’ gabhail òran ’s an stop an urr’ aca. ’Nuair chaidh sinn sios bha i ’n iar-eas againne, B’ e sud a rmiann ’s a bhi triall mar chaitheadh i; Bhi togail cùrsa os cionn nam bancaichean, A dh’ ionnsaidh ’n Laoidh ’s bu neo-chinnteach cadal dhuinn. Am béul na h-oidhche bu chruinn am baideal sinn, Bu bheag bha láthair air cheann nam maidne dhinn; Bha croinn ga’n rùsgadh us siùil ga’n sracadh ann, ’S gur ioma té ’chaill a coile leapach ann. Ma ’n da uair dhéug ’s ann a shéid e buileach oirnn, ’S i ’tigh’nn a nall oirnn thar beanntan Newery. I falbh gu h-aotram ri tàobh nan rughachan, ’S nuair dh’ àt an fhairge bha ’chainb’ gle fhulangach. ’Nuair dhubh an spéur a’s a shéid an fhras oirnn, Sinn labhair “Séonaid” a chionn bu tapaidh i Na gabhaibh cùram, tha smùir na maidne air, ’S fhad ’s mhaireas m’ aòdach cha chluinnse m’ acain-sa. Bha Domhnull Ruadh ann ’s bu chruaidh an cuiraidh e, ’S ann da bu dual bhi gu fuasgailt, furanach, An am a ghniomh, cha bu mhiann leis cuideachadh ’S e ’rachadh suas ged bhiodh fuaim m’ a h-ulagan. Fhir a shiubhlas a null thar bhealaichean Thoir soraidh bhuamsa a dh’ ionnsaidh Ealasaid, Gur e ’n aon rud ’tha cumail maille orm, A ghaoth ’bhi tuath, an t-sid fuar, ’s clach-mheallain ann. Cha ’n eil àite nach bi mi bruidhinn ort, ’S am measg nan céud thug mi spéis mo chridhe dhut; Na h-uile uair gur a truagh a bhitheas mi, Mo chridhe brùite ’s mo shùil a’s snith’ oirre. Esan a tha a ghnath deas gu bhi ’toirt comhairle, tha feum mor aige fein oirre. Leighsidh Minard’s Liniment Cràdh. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. FAICIBH. Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh air MINARDS LINIMENT, agus a fhuair e deanamh feum dhaibh. C. C. RICHARS, Co. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 257] [Vol. 3. No. 33. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 16, 1895. No 33. ORAN UR. FONN:— Hug hoironn ho, ro bha ho, Nighean donn bhòidheach, Hug hoironn ho, ro bha ho. Gu a mitich dhomh glùasad Agus cùairt’ thoirt air òran. Los gu séinn mì do bhuaidhean Bho ’n a fhùair mi ort eòlas. Tha thu modhail, ciùin, siobhalt’, Tha thu rìomhach neo-phròiseil. Tha thu irriosal, stùama, Smearail fùasgailteach, seòlta. Inntinn shoilleir gun fhòill innt’— Tha thu caòimhneil an còmhnuidh. ’Se do chòmhradh glan, sùairce ’Chuir na h-ùaislean an tóir ort. Tha do phearsa deas, dìreach, Cuimir fìnealt, grinn, béothail. Fallt dùalach, [?] cùachach, Mu’d ghùaillean ’an òrdugh. Gur a binn leam ’bhi t-éisdeachd ’Nuair a ghléusas tu ’n t-òrgan. Ceol brìagha, glan, tiamhaidh ’Ni thu dhéanamh le ’d mheòirean. Mear a chuireas ’an sgrìobhadh Cainnt bhrìoghail ’an òrdugh. Deanamh fùaigheal le snàthaid Cha n-eil fàillinn na ’d éolas. Tha do ghlùasad ro éutrom Deanamh gleus anns an t-seomair. Lamh a ghrinneas ’s na fialachd— Cha n-eil fìarag na d’ chòmhradh. Leat bu mhìannach ’sa chéitean Tional spréidhe thar lòintean. Bhi ’ga’n ìomain do’n bhùaile Seinn dhùanagan bòidheach. Ceilidh ann am Baile New York. FHIR MO CHRIDHE,—’Nuair a sgriobh mi do ’r ’n ionnsuidh mu dheireadh, dh’ ainmich mi gu ’n robh Gàidheil a’ bhaile so ag iomradh air Comunn Gàidhilig a chur air chois, agus mar a thubhairt b’ fhior; chaidh an Comunn a stèidheachadh air an 24mh de Nobhember. Aig a chéilidh bhliadhnail air a mhios ’s a chaidh liubhair Nial Dòmhnullach, ceann-suidle agus bàrd a Chomuinn, an òraid chiatach a leanas:— ’S e rùn a chomuinn, ars esan, a bhi cumail suas cànain, ceòl, bàrdachd agus eachdruidh nan Gàidheal: a bhi meudachadh an teis ghràidh a tha ’nar cridheachan do Thir an Fhraoich ’s a Mhurain, agus còmhnadh ’us comhairle a thabhairt do neach air bith de ’r luchd-dùthcha a thig a dheanamh an dachaidh na ’r measg; ni mò bhios àbhaistean ar sinnsir air an cur air chùl, no companas ’us fearas-chuideachd air an dearmad. Cha ’n e, arsa ’m filidh, gaol stòrais a mheudaich ar gràdh do ’n Ghàidhlig na ’s aobhar dhuinn a bhi comhairleachadh dhuibhse a h-ionnsachadh. Tha spéis againn di a chionn gur h-i ar cànain féin; an dilib a dh’ fhàg ar sinnsir again a’ tìghinn a nuas troimh linntibh thar cùuntais. Thr tlachd aig feadhainn eile do ’n cànain féin ged nach ’eil iad ach mar an dé an coimeas ris a’ Ghàidhlig. Nach mo gu mòr a bu choir dhuinne a bhi mùirneach mu ’r cànain aosda, bhlasda. Mu ’n cualas iomradh air fileantachd gun choimeas Chisero ann am tallaichibh na Roimhe; mu’n robh aig a’ chànain mheasail ’s an do labhair e, bith, bha ’Ghàidhlig ann. Cha chànain marbh a’ Ghàidhlig, air a pasgadh seachad bho dhion aig sgoilearan ’s luchd-fòghluim, ach cànain bheò fhallain a’ ceangal ar linn am beachd ’s an smuain ris an tiom o chian. Chaidh na ceud sgriobhaidhean a chall ’s bu bheul-aithris a mhàin iad o chionn dà mhile bliadhna; ach tha chànain i féin a’ seasamh gun mhòran atharrachaidh troimh shiubhal na h-aimsir. Cha tuigeadh Greugaich an latha ’n diugh smid de na labhair Paul ri muinntir Athens ni mo thuigeadh Eadailltich an latha ’n diugh Horace agus Bhirgil agus Sallust. Cha ’n ionann sin ’s do ’n Geàidhlig aosda, urramach, a tha ionann ris a’ chainnt a chuir an céill talannan Oisean, agus a thàinig bho bhlàth ann am bàrdachd, ann an dàn, agus ann am fileantachd, còig ceud bliadhna mu ’n do ghabh a Bheurla mheasgaichte dealbh cànain. Tha a’ Ghàidhlig air atharrachadh dhòighein air a labhairt le eadar ceithir agus còig muilleanan sluaigh anns an Bhraing, ann an Wales, an Eirinn, air Gàidhealtachd ’s an Eileanain na h-Alba agus àitean eile. Do chànain aig a bheil ainm a bhi marbh, no co dhiubh a’ bàsachadh, tha a beothalachd ’na aobhair ioghnaidh. Deanamaid mata na ’s urrainn duinn a chum a’ Ghàidhlig a chumail suas. Bidh sinn, ged nach cuir e bonn na ’r sporan, ni ’s fear agus ni ’s glice le bhi ’cur an cleachdadh ar cànain aosda, bhlasda. Mar is mò a gheibh sinn de dh’ eòlas air ar cànain ’s ann is mò a ghràdhaicheas sinn ar luchd-dùthcha, ar ’n eachdraidh ’s’ an tir a dh’ fhàg sinn. Gaol dùthcha agus dachaidh—cia blath an smaointinn! Mhisnich e treun-laoich gu scasamh ri gaisge ’s ri cruadal. Bhrosnuich e na baird gu an duain a ghleusadh, ’s leig e e fein ris ann am fileantachd a chuir aoibhneas ann an cridheachan sluagh rioghachd. Ghluas e daoine anns gach linn gu seasamh ri càs ’s ri cruadal, agus tha na cùnntasan a’s cliùitiche air clàr eachdraidh an domhain a’ tabhairt fianuis m’a euchdan. Agus dachaidhean caomh na Gàidhealtachd! Cia lion ceangal blàth a bha a tath a’ Ghàidheil riu le banna nach sgaoileadh ach am bàs. Bha ’n co-chomunn bu taitniche leis ri fhaotain na theaghlach; agus bha gach alltan agus òb, gach cnoc agus gleann mar gu ’m biodh iad a’ deanamh càirdeas agus furan ris. Bha ’n Gàidheal cho gràdhach mu dhachaidh ’s gu ’n robh e ’ga chunntas na ni iomchuidh agus taitneach bàsachadh air sgàth a dhùthcha. AMERICANACH. [TD 258] [Vol. 3. No. 33. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB III. Anns an àm ud cha robh dòigh aig daoine air fios ’fhaotainn ann an aithghearr mu thimchioll nan càirdean a bhiodh air falbh as an rìoghachd, mar a th’ aig sluagh an latha ’n diugh. B’ ann uair ’san t-seachduin, no uair ’s na deich latha, a gheibhteadh fios ann an Ceann-Locha air mar a bhiodh cùisean a’ dol air aghart air feadh na rioghachd. Mar bu trice dh’ fheumteadh sia sgillin a phàigheadh air son a h-uile litir. Bhiodh na litrichean ùine fhada a’ tighinn a Sasunn, oir cha robh guth no iomradh air an rathad-iaruinn aig an àm ud, ach ann am fior chorr àite. B’ ann le carbaid cheithir-each, agus le marcaichean a bhiodh litrichean is paipearan-naigheachd a’ tighinn á Sasunn. Bha uachdaran Cheann-Locha corr is seachduin tinn mu ’n cualas iomradh ann an Taigh na Coille gu ’n do thachair tubaist dha, ged a ghrad chuireadh litir gu àrd-stiubhart an taighe a dh’ innseadh dha mar a thachair. Cha bu luaithe a fhuaradh fios ann an Taigh na Coille air mar a dh’ éirich do’n uachdaran, na fhuair muinntir a’ ghlinne gu léir fios air. An ceann latha no dhà bha fios aig sluagh na h-oighreachd gu leir air mar a thachair. Bha e air innseadh anns an litir gu robh an t-uachdaran cho tinn ’s nach b’ urrainn e làmh no cas a ghluasad, no aon fhacal a labhairt. An uair a chuala an sluagh gu robh e anns an t-suidheachadh so, ghabh iad an t-eagal gu faigheadh e bàs, agus gu’n tuiteadh an oighreachd ann an làmhan mhic bhrathair athar. O’n a bha càirdeas is counn is gaol eadar iad fhein agus an t-uachdaran o ’n cheud latha ’fhuair e riaghladh na h-oighreachd ’na làmhan fhein, bha iad uile fo mhòr dhragh-inntinn a thaobh mar a thachair dha. Bha iad a’ smaointean nach robh uachdaran fearainn ann an Alba gu léir a leith cho math ris. Cha robh iad fada ceàrr, oir bha e anns gach dòigh ’na uachdaran cho math ’s a bha anns an dùthaich ri ’latha ’s ri ’linn. Ged bu chruaidh leotha dealachadh ris an uachdaran, bha ni eile a bha ’cur iomaguin orra, agus b’ e sin, ciamar a dh’ éireadh dhaibh an déigh a’ bhàis. B’ e mac bhràthair athar an t-aon bu dlùithe dha ann an càirdeas, agus mar sinn, b’ ann ’na làmhan a thuiteadh an oighreachd. Cha robh an duine so fo dheadh ainm idir. An uair a bha e òg rinn e companaich de dhaoine òga a bha ann an inbhe mòran ni b’ àirde na e fhein. Ged a bha e air a thogail agus air a theagasg gu maiseach, measail, cliùiteach le a phàrantan, thug na companaich a thagh e dha fhein air cùl a chur ris an eiseimpleir mhath a chuireadh roimhe ’na òige. Dh’ òladh e an sgillinn nach fhaca e. Bhiodh na mionnan ’na bheul air gach treas facal. Bhiodh e uair is uair a’ cur seachad beagan ùine ann an Taigh na Coille, o ’n a bha e aig an àm a’ smaointean gur ann aige fhein a bhiodh an oighreachd. Ach o nach robh aon chuid a chainnt no a ghluasad a’ cordadh ris an uachdaran bhiodh e, mar a bha iomchuidh dha a dheanamh, a’ comhairleachadh dha sgur de gach droch cainnt agus droch cleachdadh a bha e ’leantuinn. Ach an àite an deadh chomhairle a thugadh air a ghabhail is ann a bha e ’sìor dhol ni bu mhiosa gach latha. Mu dheireadh thuirt an t-uachdaran ris, gu feumadh e an dara cuid sgur de ’n obair a bh’ aige ar neo an t-àite fhàgail. Ach b’ e sin am fear a ghabh ’san t-sròin i. An esan a ghabhadh comhairle aon duine a chunnaic e riamh mu choinneamh a dhà shùl. Is e a bh’ ann, gu ’n deachaidh e gu bòilich ’s gu bragadaich a chionn a chridhe a bhith aig duine sam bith a ràdh gu ’m b’ olc a bha e ’deanamh. Gun dàil sam bith thog e air agus thug e a’ Ghalldachd air. Chuala sluagh na h-oighreachd aig an àm mar a bha, agus cha do ghabh iad barail mhath sam bith air. Aig an àm, agus ùine mhath ’na dhéigh, cha robh neach sam bith a’ smaointean gu’m pòsadh an t-uachdaran gu bràth, agus bha iad air an clisgeadh gu ’n tuiteadh an oighreachd là-eiginn ann an làmhan an sgaomaire òig ud. Ach ’san àm an cuala iad gu robh eagal air an luchd-sgil nach cuireadh an t-uachdaran dheth a thrioblaid agus a thinneas, ghabh iad an t-eagal buileach glan. Thug an ath litir a thàinig a Sasunn misneach mhath do na h-uile a bhuineadh do ’n oighreachd. Bha e air innseadh innte, gu robh an t-uachdaran a’ dol gu math ni b’ fhearr, agus gu ’n tilleadh a dhachaidh aon uair ’s gu ’m biodh e làidir gu leòr air son an turus a ghabhail. Bhuail e ’s a’ cheann aig a h-aon no dithis de ’n tuath a bh’ air an oighreachd, gu ’m bu chòir litir a chur a dh’ ionnsuidh an uachdarain a dh’ innseadh dua, gu robh gàirdeachas nach bu bheag air an t-sluagh gu léir an uair a chuala iad gu robh e air a dhol ni b’ fhearr, agus gu robh e gu tilleadh air ais an ùine gun bhith fada. Chuireadh fios air feadh na h-oighreachd gu léir a dh’ innseadh do ’n t-sluagh gu robh a leithid so de litir gu bhith air a sgrìobhadh, agus a dh’ iarraidh air muinntir gach baile fear-ionaid a chur air latha àraidh gu ruige Taigh na Coille. Sgrìobhadh an litir agus chuir gach fear a bha làthair ’ainm rithe. So na briathran a bh’ anns an lìtir:— “Do ’n Uasal Urramach Mr. EACHUNN ROS. Uachdaran Cheann-Locha. Tha sinne, ann an ainm agus le òrdugh na tuatha a th’ air an òighreachd, a’ sgrìobhadh do bhur n-ionnsuidh a dh’ innseadh dhuibh, gu robh sin uile fo bhròn mòr, an uair a chuala sinn mu ’n tubaist a dh’ éirich dhuibh, agus a thuig sinn gu robh sibh ann an cunnart bhur beatha a chall air a thailleamh. Tha fios againn nan robh sinn cho mi-fhortanach ’s gu ’n do chaill sinn sibh mar uachdaran agus mar charaid, nach ruigeamaid a leas dùil a bhith againn gu bràth ri uachdaran ’fhaotaiun a bhiodh cho math dhuinn ann an dòigh sam bith ’s a bha sibhse dhuinn riamh o’n latha ’fhuair sibh an oighreachd. O’n a chuala sinn gu bheil sibh air a’ dhol ni ’s fhearr tha sinn air ar lìonadh le gàirdeachas, agus tha sinn ro thaingeil do ’n Ti a tha riaghladh anns na h-àrdaibh, air son gu bheil bhur beatha air a caomhnadh. Agus tha sinn an dòchas gu ’m bi sibh ann an ùine ghoirid comasach air tighinn air ais ann an deadh shlàinte, a chum a bhith ’riaghladh os ar cionn mar a b’ àbhaist dhuibh. Ann an deadh rùin dhuibh aig gach àm, is sinn bhur seirbhisich umhail gu latha ar bàis.” An uair a fhuair an t-uachdaran an litir so bha e cho toilichte ’s ged a chuirteadh mìle punnd Sasunnach ’na dhòrn. Bha fios aige gu robh meas mòr aig an tuath air, agus thug an litir dha làn dhearbhadh mu ’n chùis. Is ann latha na h-airc a dh’ aithnichear cò iad na caomh chàirdean. Sgrìobh e thun na tuatha mar a leanas:— “A chàirdean caomha,—Tha mi ’toirt mìle tàing dhuibh [TD 259] [Vol. 3. No. 33. p. 3] air son na litreach a chuir sibh do m’ ionnsuidh, agus air son nam briathran caoimhneil leis an do chuir sibh an ceill rùintean bhur cridhe do m’ thaobh. Bha fios agam gu robh meas mòr agaibh orm; ach a nis dhearbh sibh e, nam biodh dearbhadh a dhìth orm. O’n a tha dùil agam a dhol dachaidh an ùine ghoirid, cha ’n abair mi an corr ruibh gus an coinnich sinn aon uair eile far am bu tric a choinnich sinn. Is mi bhur caraid dìleas an là a chì ’s nach fhaic EACHUNN ROS.” Ma thug an litir a chuir an tuath a dh’ ionnsuidh an uachdarain toileachadh mòr dha, cha bu lugha na sin an toileachadh a thug e do ’n tuath fios-freagairt ’fhaotainn o’n uachdaran. Ma bha iad miadhail air roimhe bha iad mòran ni bu mhiadhaile air an uair ud. Shuidhich iad eatorra fhein gu ’n tugadh iad fàilte chridheil, chaoimhneil dha an latha ’thigeadh e dhachaidh. A chum so a dheanamh chruinnicheadh fiodh ann am pailteas, agus gach ni eile a ghabhadh losgadh, a dh’ ionnsuidh nan cnoc a b’ àirde a bh’ air an oighreachd, agus am feasgar air an d’ thàinig e dhachaidh bha tein’-aoibhneis air mullach gach cnuic, a chìteadh mìltean air astar. Choinnich buidheann de na daoine òga bu tapaidhe ’s bu sgairteile na cheil a bh’ air an oighreachd e air an rathad faisge air criochan an h-oighreachd. Thug iad na h-eich as a charbad, agus dh’ fhalbh iad leis, agus cha do stad iad gus an d’ ràinig iad Taigh na Coille. Aig dorus an taighe, bha an earrann bu mhò de ’n tuath ’nan seasamh, agus an uair a chunnaic iad an t-uachdaran rinn iad uile iolach a chluinnteadh mìle o ’n taigh. Labhair fear de na seann tuathanaich ann an ainm na tuatha gu léir, agus chuir e an céill cho subhach ’s a bha sluagh na h-oighreachd a chinnn gu ’n d’ thàinig an t-uachdaran dhachaidh beò, slan. Thuirt e nach robh ach aon ni eile ann a bheireadh uibhir de thoileachndh dhaibh ’s a bh’ aca an oidhche ud, agus gu ’m b’ e sin, nam faiceadh iad e a’ tighinn dhachaidh agus a bhean maille ris. Fhreagair an t-uachdaran iad ann am beagan fhacal, (oir bha e sgìth an déigh a thuruis,) agus thuirt e, gu robh e anabarrach fada ’nan comain air son na fàilte chridheil a thug iad dha, agus gu robh e an dòchas gu faiceadh iad e a’ tighinn dhachaidh leis a’ mhnaoi mu ’n tigeadh ceann na bliadhna. “Agus faodaidh mi innseadh dhuibh,” ars’ esan, “gur i a’ bhean uasal óg a bha gu caoimhneil, curamach a’ toirt an aire dhomh air leaba na h-euslaint an aon té a phòsas mi, ma ni mi gu bràth e. Mur b’ e an aire agus an cùram leis an do fhritheil i dhomhsa o chionn trì mìosan, is fhad o ’n a thàinig mo chorp dachaidh ugaibh.” An uair a chuala iad so rinn iad iolach eile. An déigh dhaibh biadh is deoch a ghabhail ann an “Talla na cuirme” dh’ fhalbh iad dhachaidh. (Ri leantuinn.) Sgeula beag Iudhach. ’An uair a bha Abraham na shuidh ’an dorus a bhùth mar bu ghnà leis, a ’feitheamh gu luchdturuis a ghabhail a stigh, chunnaic e seann duine, crom, lag, a thaic air a luirg, a bha ceud bliadhn’ aois, a’ teachd far an robh e: ghabh e ris gu fialuidh, dh’ ionnlaid e a chosan, thug e dha a shuipeir: ach air dha fhaicinn nach d’ asluich an seann duine beannachadh air a bhiadh, dh’ fhiosraich e dheth c’ arson nach d’ thug e aoradh do Dhia néimhe. Thuirt an seann duine ris gum b’ e amhàin an teine bu chuspair aoraidh dhàsan, agus nach robh e’g aidmheil dia air bith eile. Le so a chluinntinn las corruich Abrahaim co mòr ’s gun do chuir e’n seann duine a mach, d’a aindeoin, as a bhùth, g’a fhàgail buailteach do dhosguinn na h-oi’che, gun dion gun gun fhasgadh. ’Nuair a dh’ fhalbh an seann duine, ghairm Dia air Abraham agus dh’ fheoraich e dheth c’àit an robh an coigreach? thuìrt e ris, Chuir mi mach e, chionn nach d’ thug e aoradh dhuìtse. Fhreagair Dia e, leig mise leis o cheann cheud bliadhna, ged a chuir e eas-urram orm; agus nach b’ urrainn duitse fhulang car aon oidhche, an uair nach robh e draghail duit? ’Nuair a chual Abraham so, thug e dhà aoidheachd fhialuidh, agus deagh chomhairle.” Dean thusa air an dòigh cheudna, agus bithidh do bhiatachd air a dìoladh le Dia Abrahaim. Sgeul Beag Iongantach. Bha duin’-uasal araidh ann roimh so a bha air turas ann an aon de na carbadaibh sin a bha ’ruith le ceithir eich, mu’n do dhealbhadh na slighean iaruinn. Aig aite sonraichte bha drochaid fhiodha air a togail thar abhainn bheag, agus air a suidheachadh air da chreig, creag air gach taobh, agus linne mhor, dhomhain eatorra. Le cudthrom a’ charbaid agus a luchd, gheill, agus thuit an drochaid, agus thilgeadh an luchd-turais gu h-iosal anns an t-sruth. ’Nam measg bha Easbuig araidh, a bhean, agus a leanabh. Chaidh na parantan a dhith ach theasairg an duin’-uasal an leanabh le mor-chunnart da bheatha fein. Bliadhnaichean an deigh so, bha ’n duin’-uasal ann an cuideachd shonraichte far an d’ aithris e an sgeul beag muladach so, agus far an robh na h-uile ag eisdeachd le mor-churam. Am measg chaich bha bantighearna og, mhaiseach ann, a thug cluas do’n sgeul moran ni’s durachdaich na neach sam bith eile a bha lathair. An uair a sguir an duin’-uasal. ghrad dh’ eirich a’ mhaighdean og suas air a cosaibh, thilg si i fein ’n a ghairdeanaibh, agus thubhairt i, “Is mise an leanabh sin, is mise gun teagamh an leanabh sin, agus riamh gu ruig an la an diugh, cha robh fios agam co a theasairg mi, agus cha robh comas agam air mor-thaing a thoirt da.”—Bha ’n comhlachadh so taitneach da-rireadh; ach cia mor nis taitniche a bhios ar comhlachadh anns na neamhaibh maille riu-san a chaidh a theasairginn o leir-sgrios: agus a ta ’nis a’ gabhail comhnuidh rnns an tigh sin nach d’rinneadh le lamhaibh, siorruidh anns na neamhaibh. Thachair do mhinisteir stòlda, agus oifigeach òg coinneachadh, agus a bhi ’seanchas; agus mu dheireadh, thainig an seanchas gu car beag cònnsuchaidh. Bha’n t-oifigeach ag at le feirg; agus mar thàmailt do’n mhinisteir, thuirt e ris—“Nam biodh do mhi-fhortan orm gu’m biodh ùmpaidh mic agam nach b’urrainn ni eile dheanamh, gu cinnteach dheanain ministeir dhe.” “Cha robh t’athair-sa dhe’n aon bharail riut,” arsa ’n ministeir, gu socrach. Cha do bhrist fear riamh a bhogha, nach d’ fheum fear eil’ an t-sreang. Bidh adhaircean fad air a chrodh a tha ’n Eirinn. An searrach bu chòir a bhi ’na làir ’s ann a dh’fhàs e ’na ghearran. Is beag fios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara. [TD 260] [Vol. 3. No. 33. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, FEBRUARIDH 16, 1895 Bidh cuimhne air ceud mhios an earraich anns an dùthaich so iomadh latha ’s bliadhna. Cha robh leithid na stoirme bh’ againn air an t-seachdain so ’dh’fhalbh anns an dùthaich o chionn ioma bliadhna. Bha ’n stoirm cheudna, a réir coltais, anns na Stàitean, far an d’ rinn i call mor, agus ann am Breatuinn. Cha ’n eil sinn cinnteach naah b’e ’n dùthaich so fhéin a’ fhuair a chuid a b’ fhearr dhith, ged a bha i trom gu leòr ann. Fhuair sinn litir á New Zealand o ar deagh charaid Iain Rothach, agus b’ fheudar dhuinn a cur seachad air son àireamh na seachdain s’a tighinn. Sgriobhadh i air an 27mh latha de mhios deireannach na blindhna. Ged a bhios i car sean ’nuair a ruigeas i ar luchd-leubhaidh, tha fhios againn gu leubh iad i le fior thlachd. Tha sinn an dòchas gur ioma litir eile thig ’na deigh o’n pheann cheudna. SEAN FHACAIL Cha do chleachd am bodach biodag. Cha d’ eug duine beairteach riamh gun dìleabach. Cha d’fhuair Conan riamh dòrn gun dòrn a thoirt g’a cheann. Cha d’ fhuair am madadh-ruadh riamh teachdaire b’ fhearr na e fhéin. Esan a tha a ghnath deas gu bhi toirt comhairle, tha feum mor aige fein oirre. Cha deanar math gun mhulad. Cha deanar tréine gun triùir, ’s bidh iad crubach gun cheathrar. Fios a Antigonish. Fhlr Deasachaidh Ghradhaich,—’S fhad o’n a bha toil agam fios a thoirt d’ ur luchd-leughaidh mar tha ag èiridh d’ an chlass Ghàidhlig a chuir sinn air chois o chionn corr ’s dà mhios; ach bha sinn uile cho dreapail air thailleabh a’ cheasnaichidh, a bhios daonnan agàinn, an deigh na Bliadhn’ Uire. Tha an class a seirbheachadh gu math; ach cia mar a b’urrainn dha ’bhi air chaochladh, ’n uair tha cridhe gach aon a tha mu thimchioll an trom dhéidh air an obair rioghail a chuir air aghart; agus tha iad a faighinn càirdeas agus cuideachadh, a dhearbhas gu bheil fior fhuil nan Gàidheal a ruith cho blàth ann an Albainn Uir ’s a tha i ’na tir dhùthchasaich fhéin. A bharrachd air an duais a dh’ ainmich mi ’n am cheud litir, tha bonn cuimhne òir, fiach fhichead dollair, air a bhuileachadh air a chlass leis a “Chomunn Ghàidhealach” ’s bhaile so o bhliadhna go bliadhna—gu ma fada beò iad! Thug smior nan Gàidheal e fhéin, Iain Domhnullach (Iain Cailean,) Bàillidh Antigonish, dhuin $5.00; bithidh so air a chuir a mach air son leabhraichean d’ an chlass. Thaghail an t-Urr. Iain C. Siosal, á St. Peters, C. B., againn o chionn ghoirid, agus dh’ fhàg e $2.00 airson a chainnt mhàtharail a chuideachadh, agus tha sin a nis an deigh an dàrna tabhartas, dà leabhar, fhaotainn bho’r caraide dìleas, an t-Urr. Iain Mac-a-Mhaighstear. Tha sin a toirt mòran taing dhiabh uile airson na tha iad a toìrt dhuinn. Moran taing do “Chabar Féidh” airson a bhriathran caoimhneil. Tha an Céilidh a’ dol air adhart gu fior mhath. Ma chi “Fionn” ughdar a “Celtic Garland” so, tha toil againn innsidh dha gur a h-iomadh gàire cridheil a thug a sgriobhaidhean a mach bho thoiseach a gheamhraidh; agus ged a theirear nach ’eil meas air fàidhe na thir fhéin, cha ’n ’eil paipear na leabhar fo ’r làimh a’s fhearr leinn na Mac-Talla. AONGHAS. Oil-thigh Antigonish, 11 Feb. ’95. Tha Riaghladh Bhreatuinn an deigh mile dolair ’s an t-seachdain a chur air leth air son cobhair air na feumaich ann an Newfoundland. Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 261] [Vol. 3. No. 33. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bhuail da charbad iaruinn na chéile faisg air Richmond, Cuibeic, an la roimhe, agus bha dithis dhaoine air am marbhadh. Thuit fear Melvin Mac-a-Phearsain, ann an Ontario, a craoibh aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh e a cnàimh na h-amhach. Tha e air aithris gu’n d’rinn cuideachd a ghuail (Dominion Coal Co.,) mu chairteal muillean dolair a chur ma seach an uiridh. Tha airgead gu leòr anns a ghual. Chaidh tearnadh glé chaol air dithis dhaoine aig Leitches Creek an la roimhe, Bha iad a’ dol seachad air an rathad le eich us sleigheachan agus bhuail an carbad annta ’g an tilgeil an darra taobh. Chaidh soitheach mòr smùide a luchdachachadh le gual aig Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e car iongatach gu’m faigheadh soitheach tighinn do’n acarsaid an teis-meadhon a gheamhraidh. Shuidh Pàrlamaid Mhanitoba Dior-daoin s’a chaidh, agus suidhidh Pàrlamaid Ontario air Dior-daoin s’a tighinn. Cha suidh Pàrlamaid Chanada ’an Ottawa gu ceann tri seachduinnean no mios fhathast. Tha cuid a’ deanamh dheth nach suidh i tuilleadh gus am bi taghadh ann. Bho’n thainig an t-earrach, cha mhòr gu robh dà latha an deigh a chéile gun a bhi stoirmeil. Tha sneachda mòr air tuiteam agus e ’na dhroch chitheachan. agus tha na ròidean gle dhona, Ach cha d’ thàinig fuachd no reòtachd mar a b’ àbhaist a bhi againn mu’n àm so ’n bhliadhna fhathast. Bha seann duine do’m b’ ainm Domhnull Mathanach a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, air a thachdadh le greim feòla a bha e ’g ithe aig a dhìnneir, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Bha e ’na thuathanach cothromach, agus glé mheasail aig a choimhearsnaich. Dh’ fhàg e teaghlach mòr. Tha fiadh-bheothaichean na coille a’ deanamh call mòr air spréidh s air caoraich ann an cearnan de dh’ Ontario. Tha na madaidh-alluidh anabarrach pailt, agus beothach eile ris an canar tigear-beinne. Dh’ fhalbh àireamh de shealgairean air an tòir an la roimhe agus an deigh dhaibh an leantuin fad chòig mile fichead, rug iad air grunnan dhiubh agus mharbh iad a tri dhiubh. Chaidh duin’ òg a mhuinntir Leitches Creek, do’m b’ ainm Iain Mac Carmaic, as a rian air an t-seachdain s’a chaidh le eagal a ghabh e. Theich e a tigh athar, agus an teis-meadhon na stoirme choisich e dh’ionnsuidh a Bhras d’ Oir Bhig. agus chaidh e gu tigh an t-sagairt, an t-Urr. M. A. Mac-a-Phearsain. Chaidh gabhail ris gu caoimhneil ann an sin, agus an aire thoirt dha gus an robh e slàn gu leòr gus a thoirt dhachaidh. Bha a dha làimh ’s té dhe chasan air an reothadh gu dona. ’S ann a tha e ’na iongatas nach do chaill e a bheatha anns an stoirm. Tha sinn a faotainn luchd-gabhail ùra na h-uile seachdain. Tha sinn an dòchas gu lean iad air tighinu mar sin. Bu chòir am MAC-TALLA bhi dol do na h-uile tigh anns a bheil Gàilig air a labhairt. Deanadh gach duine tha ’ga ghabhail a dhichioll air a chur a theaghlaichean anns nach eilear ’ga ghabhail idir agus bidh i a sior fhàs làidir. Chaidh fear Iain Hardy a ghoirteachadh gu dona ann am muileann-sàbhaidh ’an Gabarus, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Ghreimich na cuidhlichean air a chuid aodaich agus bha e air a tharruinn a stigh ’nan measg. Bha a làmh dheas air a milleadh cho dona ’s gum b’ fheudar a gearradh dheth, a làmh chearr air a bristeadh an dà àite, té dhe asnaichean air a bristeadh, agus a bhodhaig uile air a droch bhruthadh. Bha e leis fhéin aig an àm agus choisich e anns an t-suidheachadh sin leth-mhile dh’ astar dh’ ionnsuidh an taighe b’ fhaisge. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e ’dol am feabhas. Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh call uamhasach air cladach a tuath an eilein so, eadar Eilean Phoil us Ingonish. Bha taighean, saibhlean, stòraichean, us laìmhrigean air an sguabadh air falbh leis a mhuir, agus bha cuid a theaghlaichean air am fàgail gun ni dhe’n t-saoghal ach na bha ùmpa, ach gu fortanach cha do chailleadh beatha duine sam bith. Bha ’n stoirm ’na cùis-eagail air Eilean Phòil; na tonnan ag éiridh ’na b’ àirde na chunnacas iad riamh roimhe, agus a’ bagradh gach ni a sguabadh leotha. Cha robh dad ann ach gu ’n do dh’fhagadh an tigh-soluis agus tigh air fhir a tha ’ga ghleidheadh. Bha i a cheart cho trom ann an New Haven agus ’an Ingonish. Ann ’an New Haven, bha laimhrig ùr, factoridh ghiomach agus taighean iasgaich anns an robh moran truisg, air an sguabadh air falbh. Tha ’n call air a mheas eadar naoidh us deich mile dolair. ’An Ingonish bha àireamh mhor de thaighean ’s de laimhrigean air an call. Cha d’ fhairicheadh leithid na stoirme ann riamh roimhe. BAIS Aig Framboise, air an latha mu dheireadh de cheud mios na bliadhna, Ailein, am mac a b’ òige aig Aonghas Mac Ascuill, 14 bliadhna dh’ aois. Aig Grand River, Ian. l6mh latha, Iain Mac Coinnich tri fichead us ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Cha robh e tinn ach uine ghoirid. Dh’ fhag e bean, triùir mhac, us coignear nighean. POSAIDHEAN. Aig Gleann Ainslie, an 21 datha de Ian., leis an Urr. Alasdair Grannd, Eoghan Mac Ille-mhaoil us Cairistiona Nic Fhionghain. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 262] [Vol. 3. No. 33. p. 6] Na Baird Ghaidhealach bho 1525 gu 1645. Cha’n fheil againn ach gle bheag de dhain a chaidh a chur ri cheile eadar 1525 agus 1645. Faodidh e a bhith gun robh na baird fior ghann anns an am ud. Ach ’s e is docha nach robh iad uile gu leir cho gann ’s a shaoileamaid. Tha aon ni cinnteach, agus is e sin, nach robh cruinneachadair dhan ann, cosmhuil ri Deaghan Lismhoir, sa bhliadhna 1645. Am measg nan daoine ’s nam mnathan a bha ann eadar 1525 agus 1645 agus a rinn a bheag no mhor de dhain, bha an fheadhainn a leanas;—tighearna Chola, Domhnull Mac-Fhionnlaidh, an t-Easbig Carsuel bean Ghriogair Mhic-Griogair, Niall Mor Mac-Mhuirich, Calum Garbh Mac Ghillechaluim, Fearchair Mac Iain Oig, Mor Nic-Faidein, Cathall Mac-Mhuirich, Mac Cullach na Pairce, bean Mhurchidh Mhic-Amhlaidh, an t-Urramach Alasdair Munro, Iain mac Eoghain Bhain, Forsair Choir’-an-t-Sith, agus Murchadh Mor Mac Mhic Mhurchidh. ’S e Domhnull Mac Fhionnlaidh a rinn oran na Comhachaig. ’S ann a mhuinntir Ghlinne-Comhann a bha e. A Chomhachag bhochd na Sroine, An nochd is bronach do leaba. Ma bha thu ann ri linn Dhonnghail, Chan ionghnadh ge trom leat t’ aigneadh. ’S co-aois mise do ’n daraig ’Bha na faillein anns a choinich; ’S iomadh linn a chuir mi romham, ’S mi comhachag bhochd na Sroine. An nis on a tha thu aosda, Dean-sa t’ fhaosaid ris an t-sagairt, Agus innis dha gun euradh Gach aon sgeul de na bheil agad. ’S furasda dhomhsa sin innse Gach aon la millteach a rinneas; Cha robh mi mionnach no breugach, Ged a bha mo bheul gun bhinneas. Cha d’ rìnn mi riamh braid no meirle, No cladh no tearmunn a bhriscadh; Air m’ fhear fhein cha d’chuir mi iomagain, Gur cailleach bhochd, ionnraic mise. Rugadh Iain Carsuel an sgireachd Chillemhartainn an Siorramachd Earra-ghaidheal. Rinneadh easbig dheth sa bhliadhna 1560. Is ann de ’n Eaglis Shasunnich a bha e. Chuir e am mach leabhar-urnigh ann an Galig sa bhliadhna 1567. B’e so a cheud leabhar Galig a chaìdh a chlo-bhualadh an Albinn. Chaochaoil an t-Easbig Carsuel sa bhliadha 1572. Rinneadh beagan de laoidhean leis. Bha e na dhuine mor, foghainteach. Bhiodh a phaigheadh aige a dheoin no ’dh-aindeoin. Bha sluagh a cur air gun robh e sanntach. Rinn duine air chor-eigin an rann a leanas:— An Carsalach mor ’tha ’n Carnasari, A tha na coig càirt na chasan, Tha dhroll mar dhruinnein na curra, ’S a sgroban lom, gionach, farsuinn. Tha ’m facal càirt a ciallachadh cairteal de shlait, no naoidh oirlich. Bha mar sin da fhichead oirlcach sa coig ann an casan an Easbig Mhoir. Tha cuid an duil gu bheil sgroban a h-uile pears’-eaglis lom, gionach, farsuinn. ’S math an gnothach ma tha na daoine a tha dhe ’n bheachd sin caoimhneil, blath-chridheach, pairteach iad fhein. Ach gun teagamh sam bith, is culaidh-ghrain pears’-eaglis cruaidh, spiocach. Mur h-fheil duine ullamh gu chuid airgid fhein a thoirt seachad, ciamar a dh’ iarras e air daoine eile airgiod a thoirt seachad. ’Se Eirionnach a bh’ ann am Muireach Albanach. Chaith e moran de ’ùine an Albinn. ’S e sin a dh’ aobharrich gun abairteadh Muireach Albanach ris. Is ann bhuaithe a thanig seanachaidhean Chloinn-Raonuill. Rinn fear de na seanachaidhean so marbhrann fhada air Ailain mac Ruari, a dhith-cheannadh aig Blar Atholl sa bhliadhna 1509, agus air Raonull Bàn, a mhac, a dhith-cheannadh am Peirt ’sa bhliadhna 1514. Tha tri dain againn a rinneadh le Niall Mor Mac-Mhuirich. Tha fear da na dain so air a dheanamh mu shia oidhchean a chuir am bard seachad comhla-ri Ruari Mor Mac Leoid, triath Dhunveagain. Tha e soilleir gun robh an adharc mhor aig Ruari a tighinn am folais gu math tric. Cha robh aobhar aig Ruari air a radh mar thubhairt am Bard Mac-Gilleain mu’n adhairc mhoir aige fhein,— Ciamar bheirinn-s’ thu ’m folais, ’S nach h-fheil boin’ air do chlar? Bha Cathall Mac-Mhuirich na dheagh bhard. Tha tri de na dain aige an Leabhar Chloinn-Raonuill; marbhrann a rinneadh an 1619, marbhrann a rinneadh an 1636, agus dan molaidh a rinneadh an 1647. Bha baillidh ann an Cinntail mu ’n bhliadhna 1590 do ’m b’ ainm Domhnull Mac-Rath,—Domhnull Dubh Mac Dhonnachaidh Mhic Fhionnlaidh Dhuibh nam Fiadh. Bha e na dhuine sanntach, cruaidh-chridheach. Chaidh e latha gu taigh Fhearchair Mhic-Rath, Fearchair Mac Iain Oig, agus thug e leis mart agus coire mor copair. Nuair thanig Fearchair dhachaidh ghlac e an gunna ’s dh’ fhalbh e an deigh a bhaillidh. Loisg e air is mharbh e e mar a bha e a dol troimh amhuinn Chonnaig. B’ fheudar do Fhearchair teicheadh. Bha e seachd bliadhna ga fhalach fhein ann an uamha an Coire gorm a bheallaich an Gleann-Lic. Nuair a bha na seachd bliadhna seachad thill e Dhachaidh. So criomag bheag de dh-oran a rinn Fearchair nuair a bha e air theicheadh:— Chan e direadh a bhruthaich Dh’ fhag mo shiubhal gun treoir, No teas ri la greine Nuair a dh’eireadh i oirnn. Laigh an sneachd so air m’ fheusaig Is cha leir dhomh mo bhrog. ’S gann is leir dhomh na’s fhaisge, Ceann a bhata ’tha ’m dhorn ’Se mo thubhailte m’ osan, ’S e mo chopan mo bhrog. ’Se mo thaigh mor na creagan, ’S e mo dhaingeann gach frog, Ged a cheannaichinn am buideal. Chan fhaigh mi cuideachd ni ol. ’S ged a dh’ fhadainn an teine, Chi fear foille dheth ceo. A. M. S. FAICIBH. Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh air MINARDS LINIMENT, agus a fhuair e deanamh feum dhaibh. C. C. RICHARS, Co. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 263] [Vol. 3. No. 33. p. 7] Litir as an Eilean Sgiathanach. A Mhic-Talla Ionmhninn:—Is tric a chluinneas sinn nach eil fior choimh-sheirm Ghàilig uair sam bith anns a’ Ghàidhealtachd, agus feumaidh mi fhéin a ràdh gu’n d’ fhuair mi sin fior gus an d’ thàinig mi do’n àite so. Bha mi aig cruinneachadh ann am mòran àiteachan, agus cha d’ fhuair mi riamh coimh-sheirm a chòrd cho math rium ’sa chòrd an té a bha againn an so an raoir. Cha robh aon de na h-òrain shuarach Bheurla sin, a tha cho coitchionn am measg nan Gàidheal, air an gabhail ann. Bha òran no dha Beurla air a sheinn, ach b’ òrain a b’ fhiach an t-saothair iad. Bha ’n Lighiche Domhnullach ’sa chathair, agus thàinig a bhana-bhàrd, “Màiri nighean Iain Bhàin,” à Sgeabost a sheinn ann. Rinn an luchd-seinn uile glé mhath, agus gu h-araidh an fheadhain bheaga sin, Alasdairina Chamaran, Màiri Dhomhnullach, Agnes Nic Ascuill, agus Anna Dhomhnullach. Bha e ’cur iongatas air càch cho luath ’sa thàinig a’ choisir Ghàilig air adhart fo theagasg Mhr. Mhic Alasdair, oir cha’n eil ach dà mhios o’n thòisich iad, agus rinn iad fior mhath. An deigh nan òran chuir an sluagh seachad beagan ùine le ruidhlein dannsa, agus faodaidh mi ràdh nach robh dannsan Gàidhealach, agus rinn iad uile moran na b’ fhearr na b’ àbhaist dhomh fhaicinn aig na coinneamhan dùthchasach. Tha uiread de spiorad nam fior Ghàidheal an so an dràsda ’s gu bheil dòchas againn nach bi fada gus an lean àiteachan eile an lorg an àite so le cumail suas na h-uile rud a fhuair chlù d’ an sinnsir. Bha ainm nan òran ’s an luchd-seinn mar a leanas:— A’ CHEUD PHAIRT. Oraid Ghàilig, le Màiri nigh’n Iain Bhàin. Oran, Fàilte Theaghlaich Sgeabort, Oran, ’Ghruagach Dhonn, A’ Choisir. le Mairi nigh’n Iain Bháin. Oran, Hi-ri, ho-ro, mo nionag, D. Mac Pharlain. Oran, Muile nam mor-bheann, Na Sgoilearan. Oran, Gillean mo rùin, D. Camaran. Oran Beurla, Banks of Loch Lomond, A. Nic Ascuill. Oran, Ho ro, mo nigh’n donn bhòidheach, A’ Choisir. Sgaoileadh nam Milsean. Port air a’ Phiob, E. Domhnullach. Oran, Hi ho ro ’s na horo èile, A. Chamaran. Oran Beurla, Father O’Glyn, A. Mac Alasdair. Oran, Bruaichean Ghlinn-braoin, A’ Choisir. Oran, Faill ill o ro faill ill o, D. Domhnullach. AN DARRA PAIRT. Port air a’ Phiob, E. Domhnullach. Oran Beurla, Row well my Boatir Na Sgoilearan. Oran, Breacan Màiri Uisdean, D. Mac Ascuill. Oran, Eirich agus tiugainn o, A’ Choisir. Oran, Hi ri ill ogi ho ro nan, N. Mac Suain. Sgaoileadh nam Measan. Oraid Ghàilig, D. Mac Suain. Oran, Ho i o agus horo éile, U. Cuimeanach. Oran, Thoir mo shoraidh, Màiri Dhomhnullach. Oran, Mo chridhe trom, Uilleam Domhnullach. Oran, Moladh na Lanndaidh, A’ Choisir. Oran, Fàilte ’Phrionnsa, Eàiri ni’n Iain Bhain. Oran Beurla, Auld Lang Syne, A. Mac Alasdair. “Gabhaidh sinn an rathad mòr,” A’ Choisir. Tha mi cluinntinn gu bheil iad a’ cur rompa band phiobairean a thogail an so, agus o’n tha còig no sia ’phiobairean ann, cha bhiodh e gle dhuilich. sin a dheanamh. A nis cuiridh mi crioch air an litir so le mor dhùrachd agus beannachdan. Is mi do charaid, CREAG AN FHITHICH. An t-Aodann Bàn, Diùirinis, 19,1,’95 Leighsidh Minard’s Liniment Déideah. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinu bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A, Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 264] [Vol. 3. No. 33. p. 8] MARBHRANN do dhaoine chaidh a bhàthadh aig an Eilean Sgiathanach am foghar 1893. La Iain Mac Coinnich. Gur muladach mo dhuan an drasd’ Gu innseadh dhuibh mu ’n chrew ud, A dh’ fhalbh gu slan le bàt’ air sail, ’S nach pill gu brath gu ’n cuideachd. ’S gur h-iomadh mairich’ gleusda, calm’, A bha air cuan an la ud, Nach till gu brath a dh’ ionnsuidh’ ait, ’S nach faicear ’chaoidh leis cala. Gur h-ann air madainn moch Di-haoin’ A dh’ fhalbh na daoin’ ud cuideachd; Bha ’n cridhe blath ri ’n cairdean graidh, A’s b’ fhearr le pairt diubh fuireach. ’S e falbh a b’ eiginn doibh ’s an am, Oir thainig uair an siubhail; Thagair an Teachdair’ Mor a choir, ’S cha ’n fhaodadh iadsan fuireach. Cha e a mhain, an cuideachd fein A dh’ ionndrainneas an sgiob’ ud; Bi t-Achamhealbhaich ’s iad gu leir A’ caoidh le cheil nach tig iad. Gur coir dhomh innseadh dhuibh na ’bh’ innt’— Bha ’n crew ud uile tapai dh Bha Ruaraidh coir, mac Aonghais Ruaìdh, A’s Domhnull calm’ bu mhac da. Bha Domh’l Munro, mac Al’stair mhoir, S gu dearbh bu shuairc’ an gil’ e; ’S Ruaraidh Macleoid, aon mhac a’s treoir Na dachaidh gu ’s nach tig e. ’Nuair thog i curs’ bha ’n fhairge ciuin, Is bha ’n ar suil ri ’m pilleadh; An oidhch ’s an stoirm ’nuair thainig dluth Beo cha robh duil ri ’n tilleadh. Bha ’m bata mor, ’s i treun gu leoir, Gun bheud gun chron gun ghaiseag; Cha b’ e an cuan a rinn a leon, Ach tir an-iochdmhor chreagach. An t-eilean Sgiathanach mu thuath Nochd caoimhneas mor ’s a chruaidh-chas; A siubhal traigh a dh’ oidhch’ ’s a la, ’S na cuirp ac’ uile fhuair iad. Is thug iad chum an tighean iad, A’s chuir an sin orr’ ordugh, Le cisteachan a’s anart grinn, Rinn iad gach ni gu doigheil. Do thionail iad gu h-eireachdail, ’S a chostuis aiseig phaidh; S na mairbh gu h-uasal chuireadh leo, A null gu ’n cairdean gràidh. ’Nuair chaidh an toirt thar bord ’s an oidhch’, Gun adhlaceadh ’s an Inbhear, Bha sean a’s og a’ gal ’s a’ bron ’S bu chruaidh a bhi g’ an cluinntinn. Do thugadh chum na h-uireach iad, Le lochairean ’toirt soluis; Bu chruaidh an t-snaimn ga’n cuir fo’n fhoid, An sin luidh iad-san cuideachd. ’S e ghuidhinn oirbh a dhaoine coir, Sibh ’chuimhneachdain an cuideachd, A dh’ fhagadh bochd, san leon co mor, ’S gun chuid ac’ chum am furtachd. O! sibhse uil’ a chual an sgeul, Tha so as ur dhuibh rabhadh, Gum fhios co ’n uair a thig nar gairm Bhi deas gu dol ’na choinneimh. Leighsidh Minard’s Liniment Cràdh. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 265] [Vol. 3. No. 34. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 23, 1895. No. 34. Litir a New Zealand. Bha mi ’leughadh ann am paipearan Albannach mu’m faca mi MAC-TALLA, cliù mor air a thoirt da air son a bhi cho glan, gun truailleadh sam bith le Beurla. Gabhaidh sibh mo leisgeal ma their mi, le dùrachd mhath, nach eil sibh a cumail ris a sin mar bu chòir. Ann am paipear an 27mh. la de mhios an Damhair (October), dh’ ainmicheadh Kempt Head, an uair bu chòir a chantuinn ris “Ceanna Camp,” àite agus ainm a b’ aithne dhuinn gu math. Agus tha cuid de dh’ ainmeannan eile air an cur sios anns a phaipear air an aon doigh. Bu choir dh’ an luchd-sgriobhaidh a bhi faiceallach nach dean iad a leithid de mhearachd a rithist. Tha na caoraich a nis air an rùsgadh, agus tha chloimh ’ga reic air àrd-fhéillean a tha air an cumail air lathaichean sonraichte. Tha cheud fhéill seachad, agus tha tri eile ri bhi air an cumail, bho àm gu àm. Cha robh a phris cho math air a’ bhliadhna so. ’Nuair thug iad a chis bhar na cloimhe anns na Stàitean, bha luchd nan caorach an dùil gu’m bitheadh a phris na b’ fhearr, ach an àite sin, ’s ann a bha i mu sgillinn am punnd na b’ isle. Thainig droch naigheachd à Lunnuinn air latha na féille. Chaidh a leughadh do ’n luchd-ceannach, agus thuit pris na cloimhe. Ma bha gus nach robh am fios ceart, bha e na mheadhon air a’ phris a bhi cho iosal. Tha moran sluaigh a falbh as an dùthaich so, feadhainn eadhon á Waipu, ’sa dol gu Coolgardie a shireadh òir. Tha ’n t-àite sin ann an Astralia ’n ear, agus mu thri cheud ’s fichead mile bho bhaile-mor Pheart. Tha cheud earainn, ceud us ceithir fichead mile ’na rathad-iaruinn, eadar Peart agus baile Deas-Chrois. Tha iad ’an sin ceud agus fichead mile bho’n ceann-uidhe. Bidh an sluagh a’ gabhail an coise, agus a h-uile doigh-shiubhail eile, a reir an cothroim air a chuid sin dhe’n t-slighe. Tha moran chàmhal air an rathad mhor so, a giulan bathair agus luchd-turuis, agus ioma rud eile. Tha na beothaichean so glé fhreagarrach air dùthaich theth agus gann de dh’ uisge mar a tha Astralia. Tha ’n rathad gu Coolgardie a’ dol troimh fhàsach gainmhich, anns a bheil meran de cheagan garbha, agus tha e glé dhuilich a choiseachd. Bidh an luchd-turuis a fulang ana-cothrom mòr le teas na gréine agus gainnead an uisge. Tha àitean an cois an rathaid ris an can iad “àitean fliucha;” ’se sin pollagan aig bonna creag far am bi uisge na speur a laidhe. Théid an t-uisge so a thogail gu cùramach; cha mhor nach fàisg iad an talamh gus gach driùchd a bhios ann a thoirt as. ’S fior an sean-fhacal a tha ’g ràdh, “’S math gach fliuch air a phathadh.” Tha deoch de’n uisge an sud sia sgillinn, agus ’nuair a thachras càirdean ri chéile an tigh-òsda, an àite drama dhe’n deoch làidir ’se ghabhas iad an t-uisge. Tha mèinnean gle bheairteach anns an àite; tha òr glé phailt anns na clachan, ach tha e gle dhoirbh a thoirt asda. Cha dean daoine bochda feum sam bith ann, agus cha ’n eil aca ach tighinn air an ais ma’s urrainn daibh. “Tha iteagan briagh air a h-eòin tha fad as.” Tha craobh anns an dùthaich so a tha anabarrach briagha mu’n àm so dhe’n bhliadhna. Tha i ’n dràsda fo bhlàth, a h-uile mir dhith gu lasrach dearg, agus a cur sealladh neo-chumanta greadhnach dhith. Bha i fo bhlàth ’nuair thàinig a cheud sluagh do’n dùthaich, mu àm na Nollaig, agus thug iad mar ainm oirre “blàth-Nollaig.” Tha i a’ fàs an cois a chladaich an measg chreagan, us eile, le geugan mòra, fada, farsuinn, làn de chromagan a tha ro mhath air son togail shoithichean. IAIN ROTHACH. Leighsidh Minard’s Liniment Cràdh. Bha iad Goirt. Bha madadh-ruadh ann roimhe, agus air dha a bhi ’falbh an fhàsaich air latha tiorram teth, dh-fhàs e ro phàiteach ’s cha robh uisge no ni air bith eile ann a chaisgeadh iota. Mu dheireadh de chunnuic e ach craobh fhion-dhearcan. Bha na fion-dhearcan ro bhriagha, na h-uile aon diubh abuich, agus iad cho lionmhor ’s gun romh iad a lùbadh barraibh nam meangan. Ars’ an sionnach, “’S ann domh a rug an cat an cuilean; dé na ’th ann an sin de fhion-dhearcan, gach aon diubh cho maiseach ’s cho làn; ’s iad a chaisgeas mo thart,” agus an so thug e leum suas ris a’ chraoibh an dùil gu’m biodh làn a chraois aige tighinn air ais. Ach leibeidean, cha d’ fhuair r ’m bainne;—cha ruigeadh e leth na slighe gus na fion-dhearcan. Leim e, ’s leim e, ach ged a bhitheadh e a’ leum fhathasd cha deanadh e tùrn. Mu dheireadh dh’ fhalbh e, agus, ars’ esan. “Tha mi coma dhe na fion-dhearcan,—tha iad goirt!” Bha fear ann an àite ris an abradh iad “Iain mor nam madadh,” air son cho feumail ’s a bha e air faotainn chon do na tuathanaich feadh an eilein. Bha e ’na dhtine làidir geur-fhoclach; caoin-shuarach mu dhol an dàil ni ’sam bith. Bha e ’coiseachd na tràigh-moire aon oidhche ’s e air mhisg, agus gun a bhi toirt fainear a’ bhogha ’bh’ air an tràigh’ bha ’n a inntinn gu ’n leanadh esan dìreach air aghaidh co dhiubh a rachadh e troimh oir na fairge no nach rachadh. Air dha leantuinn dìreach air aghaidh bha e mach mu dheireadh ann am briseadh nan tonn. Mar a bha mach gu math ’s e ’faicinn tuinn mhoir a’ tighinn, ghlaodh e gu h-éiginneach, “A Dhia, cuidich leam!” Mar a chaidh an tonn seachad gun Iain a chur far a chas thuirt e gu caoin-shuarach‘ “O cha ruig thu leas, ni mi fhé a chùis.” Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. [TD 266] [Vol. 3. No. 34. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB IV. Is anabarrach comharraichte mar a chumas an sluagh cuimhne cho fad air nithean nach do chuir riamh dragh orra fhéin. Tha so gu sònraichte fior a thaobh na h-aimhreit a bha eadar Alba agus Sasunn ’s an àm a dh’ fhalbh. Is cuimhne leinn gu léir a bhith ’cluinntinn mòran anns na bliadhnachan a dh’ fhalbh mu thimchioll an treubhantais agus nan euchdan a rinn Uallas agus Brus, an uair a bha righrean Shasuinn ag oidhirpeachadh air Alba ’thoirt fo chìs. Ged nach d’ fhuair Sasunn lamh an uachdar air Alba, gidheadh chum sluagh na h-Alba, gu sonraichte sluagh a bhuineas do thaobh tuath na h-Alba, air chuimhne an aimhreit a bh’ eadar an da rìoghachd, anabarrach fada. Gus an latha ’n diugh tha mòran de na Gàidheil a’ smaointean nach ’eil truas, no blàths, no caranas, no caoimhneas ri ’fhaotainn ann am measg na h-àireamh a’s mò de na Sasunnaich. Cha ’n ’eil iad a’ toirt fa near gu’n d’ thàinig atharrachadh mòr air sluagh gach rìoghachd o’n a sguir an t-srìth ’s an aimhreit a bh’ eatorra. Cha mhò a tha iad a’ toirt fa near gu faod mòran de shluagh gach rìoghachd a bhith caoimhneil, càirdeil, tlachdmhor anns gach dòigh, eadhon am feadh a bhios iad deas gu dhol a chogadh ri cinneach sam bith a chuireas dragh orra. Ged a bha ’n àireamh bu mhò de ’n tuath a bh’ air oighreachd Cheann Locha anabarrach toilichte gu robh an t-uachdaran gu pòsadh an ùine gun bhith fada, bha cuid dhiubh ann an teagamh nach deanadh bann-Sasunnach bean fhreagarrach dha idir. Cha robh a bheag a dh’ eòlas aca air na Sasunnaich, agus o nach cuala iad a bhi labhairt mòran math umpa riamh, cha robh aca ach fìor dhroch bharail orra. Bha ’n àireamh bu mhò de ’n tuath bhig riaraichte gu leor le mar a bha cùisean air thuar a bhith, oir bha barail cho math aca air gliocas agus tuigse an uachdarain ’s nach creideadh iad gu ’n deanadh e ni sam bith ach ni a bhiodh glic agus ceart. Bha aon is aon de na tuathanaich mhòra nach aidicheadh idir gu ’m bu ghnothach glic do ’n uachdaran bean a thoirt á Sasunn. Fhad ’s a gheibheadh fear bean a fhreagradh air ann an Alba cha robh iad a’ faicinn car son a rachadh e ni b’ fhaide air falbh a dh’ iarraidh mna. Cha ’n ’eil e coltach gu ’n cuala iad riamh an sean-fhacal a tha ’g radh, nach ’eil dùthchas aig mnaoi no aig ministear. Bha aon taigh air an oighreachd anns an robh mòran air a ràdh mu thimchioll pòsadh an uachdarain. B’ e ’n taigh so, taigh Fir Bhaile-chnuic. B’ e Baile-chnuic am baile fearainn bu mhò a bh’ air an oighreachd gu léir, agus bha Fear a’ bhaile agus a theaghlach ’g am meas fhéin anabarrach àrd os cionn a’ chumanta. Thainig e fhéin agus a bhean o na tuathanaich cho mòr ’s cho measail ’s a bh’ anns an dùthaich, agus mar is minic a thachair, bha iad an dùil nach robh an leithidean fhein ri ’m faotainn air taobh tuath na h-Alba. Bha sianar de theaghlach aca—triuir mhac agus triuir nighean. Bha ’n teaghlach gu léir cho maiseach ri teaghlach a gheibhteadh ach ainneamh ann an àite sam bith. Bha aon té de na nigheanan anabarrach tlachdmhor anns gach dòigh. Ann am bodhaig, bha i àrd, dìreach, deas, dealbhach; bha i banail, ciùin, sìobhalta ’na nàdur; agus bha i tùrail, tuigseach, geur-chuiseach ’na h-inntinn. Bha i bliadhnachan ann an Dùnéidionn, far an d’ fhuair i sgoil is ionnsachadh cho math ri nighean tuathanaich a bha ’s an taobh tuath. Mar a bha nàdurra gu leòr, bha moit mhòr air a h-athair ’s air a màthair mu ’déidheinn, agus bha iad a’ deanamh tuilleadh ’s a’ chòir dhith. Bhiodh an t-uachdaran a’ taghal gu math tric anns an taigh, agus bhiodh e a’ moladh na h-ighinn, agus ag ràdh, gu robh moit air fhéin air son a leithid a bhith air an oighreachd aige. Bhuail e anns a’ cheann aig a màthair gur ann a bha ’n t-uachdaran a’ smaointean an nighean a phòsadh. Aon uair ’s gu ’n d’ fhuair am beachd so gréim air a h-inntinn dh’ fhàs i ni bu mhò ’s ni bu mhò aisde fhéin na bha i riamh. Thòisich i ri amharc sìos air na tuathanaich eile a bh’ air an oighreachd. Mu dheireadh is gann a b’ aill leatha taghal ann an taigh aoin de na taighean aca. Neo-ar-thaing nach robh i caoimhneil ris an t-sluagh a bha ann an suidheachadh ni b’ ìsle na i fhéin. Bha fios aice gu robh an t-uachdaran anabarrach caoimhneil ris na daoine bochda, agus bha i ’smaointean gu ’m biodh meas a bharrachd aige oirre fhéin ’s air a teaghlach air son a bhith ’nochdadh caoimhneis do na doine bochda. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh meas aige oirre air a shon so; ach cha do smaoinich e riamh air an nighinn a phòsadh. Bha e ag amharc roimhe ni b’ fhearr na sin. Bha fios aige gu feumadh e, nam pòsadh e gu bràth, té fhaotainn a bhiodh anns an aon inbhe ris fhéin. Aig an àm ud bha daoine ann am beachd nach bu chòir a dh’ fhear sam bith té a phosadh ach té a bhiodh ann an inbhe cho ard ris fhéin, no b’ àirde. Air an làimh eile, cha ’n fhaiceadh iad idir cearr do mhnaoi fear a phòsadh a bhiodh ann an inbhe ni b’ ìsle na i fhéin. O’n a dh’ fhaodadh am fear a dhol a dh’ iarraidh mnà, theirteadh gu ’m bu chòir dha amharc ri tè a bhiodh ni b’ áirde na e fhéin; ach o’n a dh’ fheumadh a’ bhean feitheamh gus an tigeadh fear g’ a h-iarraidh, cha ’n fhaicteadh cearr dhi ged a phòsadh i fear nach bitheadh anns gach dòigh cho fior mhath rithe fhéin. Feumar a thoirt fa near, gu robh daoine aig an àm ud a’ toirmeasg a dh’ fhear té phòsadh a bhiodh cleachdte mu ’m pòsadh i ri biadh ’s ri aodach nach b’ urrainn a bhith aice an déigh dhi pòsadh. Tuigidh neach sam bith so o’n t-sean-fhacal a leanas:—“Na toir bean á tigh mòr ’s na toir bò á gràisich.” Bha an sean-fhacal so a’ freagairt air an tuathanach bheag gu sònraichte; agus a réir mar a bha e air a ghnàthachadh am measg dhaoine, is e bu bhrigh dha, nach bu ghliocas do thuathanach beag té a phòsadh bhiodh ùine mhath ’na searbhanta ann an taigh tuathanaich mhoir, do bhrìgh gu ’m biodh i cleachdaidh ri biadh ’s ri ròic ’s ri sgaireap nach freagradh ann an taigh tuthanaich bhig. Bha ’n t-uachdaran mion-eòlach air gach beul-aithris agus bha e ’toirt fa near gu robh gliocas agus tuigse air am filleadh a steach annta gu léir. Bha doctair òg anns an àite a bha glé sgileil agus glé fhoghluimte. Bha e ’na dhuine àrd, deas, dreachmhor. Bha e mar an ceudna anabarrach tlachdmhor cuideachdail ’na chòmhradh. Anns an àm ud bha iomadh fear dhe na doctairean air feadh na Gàidhealtachd a’ faotainn am pàigheidh mar nach ’eil doctairean aig an àm so. Bha ’n tuath gu lèir a’ toirt sùim àraidh dhaibh a h-uile bliadhna, agus dh’ fheumadh iad frithealadh air gach neach a bhiodh tinn, ged a b’ ann [TD 267] [Vol. 3. No. 34. p. 3] air dubh a’ mheadhon oidhche a chuirteadh fios orra. Mar so, cha robh cearn de ’n dùthaich anns nach feumadh iad a bhith gu math tric. Ged a bha ’n tuath gu léir glé chaoimhneil ris gach neach a thaghladh orra, bhiodh iad iomadh uair neo-chomasach air nithean freagarrach a chur air bòrd fa chomhair duin’ uasail mar a bha ’n doctair. Cha ’n e nach cuireadh esan suas car latha le biadh glan sam bith a chuireadh na daoine ’na thairgse; oir cha robh pròis no meud mhòr sam bith ann. Mar bu trice b’ ann an taighean nan tuathanach mòra a bhiodh e ’gabhail gréim bidh an àm dha bhith ’frithealadh do na daoine tinne am measg na tuatha. Cha robh taigh tuathanaich air an oighreachd gu léir anns am bu trice bhiodh e ’cur seachad pairt de ùine na ann an taigh Fir Bhaile-chnuic. Bha fios aige gu ’m b’ e bheatha ’dhol ann aig àm sam bith. Ach cha b’ ann idìr air son na dh’ itheadh ’s na dh’ òladh e a bha e cho trice a’ dol ann, ach a chionn gu ’m bu toigh leis a bhith car ùine ann an cuideachd dhaoine òga mar a bha e fhéin. Feumar a ràdh, ged nach robh e fhéin deonach a’ chùis aideachadh aon chuid dha fhein no do neach eile, gu robh tlachd nach bu bheag aige do ’n mhaighdinn òig, mhaisich a bh’ anns an taigh. Cha chuireadh so ioghnadh sam bith air aon neach do ’m b’ aithne i. Air feasgar àraidh mu ’n àm an cualas gu robh an t-uachdaran gus bann-Sasunnach a phòsadh, thugadh iomradh air a’ chùis an uair a bha iad ’nan suidhe aig an dinneir. Thuirt bean an taighe nach robh i fhéin a muigh no ’mach ag aontachadh gu ’m bu ghnothach glic a dh’ fhear bean a phòsadh, mur robh eòlas aice air dòìghean agus air cleachdaidhean na dùthcha anns an robh i gu bhith ’caitheamh a beatha. Thuirt a h-uile té dhe ’cuid nighean, gu ’m b’ e sid am beachd fhein air a’ chùis cuideachd. Ged a bha ’n doctair a dh’ atharrachadh beachd bu leasg leis teannadh ri cur ’nan aghaidh nan taigh fhéin; mar sin cha do ghabh e mòr-shùim de ’n chòmhradh anns a’ cheud dol a mach. Mu dheireadh, an uair a chunnaic e gu robh a’ bhann-Sasunnnach air thuar a bhith air a diteadh ’s gun i fhein an làthair, sheas e gu duineil air a taobh. Thuirt e gu ’n do chuir e seachad bliadhna dhe ’ùine ann an Sasunn, agus gu’n d’ thug e an aire gu robh na Sasunnaich mar bu trice cho tùrail ’s cho tuigseach, cho caoimhneil ’s cho càirdeil, ri daoine a thachair riamh ris. Thuirt e mar an ceudna, gu robh e cinnteach nach tugadh an t-uachdaran bean à Sasunn mur biodh e cinnteach gu freagradh i air. Dh’ aontaich fear an taighe leis, agus mar sin bha na bha mu ’n bhòrd air an roinn an aghaidh a chéile. (Ri leantuinn.) An t-Urr. Iain Mac Thamhais, D. D. Tha cuid de d’ luchd-leughaidh aig am beil cuimhne mhath air an Urr. Iain Mac Thamhais (Rev. John Mc-Tavish) a bha àireamh mhòr bhliadhnachan a saothrachadh mar mhinisteir ann an Canada. Tha e nis ann am baile Inbhirnis, an Alba, agus, air Desember a chaidh, bha Inbili a mhinistreileachd air a choimhead anns a bhaile sin. Bha Mr. Mac Thamhais air chuairt an eilean a Phrionnsa mu thimchioll fichead bliadhn’ air ais. Shearmonaich e ann an caochladh àitean de ’n eilean so, agus bha mòr bhuaidh aig a theagasg a measg an t-sluaigh, gu h-àraidh ann a Valleyfield agus anns na h-Eileanan Coille. Tha “Fianuis” na h-Eaglais Shaoire an Alba ’toirt iomradh ath-ghearr air beatha Mhr. Mhic Thamhais. Rugadh e an Diùra ’sa bhliadhna 1816. Is mac e do ’n Urr. Gilleasbuig Mac Thamhais Chilldaltain an Ile, sgireachd a tha ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Buinidh e ’thaobh a mhàthar do’n Urr. Seumas Stiùbhart, Chillinn, a dh’ eadar-theangaich an Tionnadh Nuadh Greigeis gu Gàilig ’sa bhlaadhna 1767. Bha Mac T. sè bleadhna a dh’ aois a’ tighinn do chilldaltain. Anns an sgireachd so tha làrach aosda Caisteil Dhùn Naomhaig ri fhaicinn gus an latha ’n diugh. B’e so prìomh dhaingneach Mhic Dhòmhnuill nan Eilean anns na linntein a dh’ fhalbh. Bha ’n Dùn so air a sgrios le Iain Fear Caimbealach Chaladair, ’ia bhliadhna 1631. Chaidh Mr. Mac Thamhais do oilthigh Ghlaschu ’nuair bha e trì bliadhna deug a dh’aois, agus nuair bha e da bhliadhna thar fhichead thug Cléir Ile ’us Dhiura cead searmonachaidh dha. Aig am an dealachaidh, an 1843, roghnaich e tighinn a mach leis an Eaglais Shaoir. Anns a’ bhliadhna 1845 chuireadh e air chuairt do Chanada a dhaingneachadh na h-Eaglais, agus an deigh a bhi fad sheachd miosan a siubhal agus a searmonachadh tre ’n dùthaich fharsuinn so, thill e dhachaidh. Ach mu chuairt air ochd bliadhna an deigh sin dh’ fhàg e tir a bhreith us àraich ’s thainig e a dh’ fhuireach do Ontario far an d’ fhuair e raoin fharsuinn gu saoithreachadh innte. Anns a bhliadhna 1859 thug e sgriob do Mhanitoba far an robh àireamh mhòr de Ghàidheil à Dùthaich Mhic Aoidh a’ gabhail còmhnuidh. Chuireadh a mach iad do ’n àite iomallach sin leis a Mhorair Selkirk mun bhliadhna 1819. Cha robh e na ni farasda dhol air thuras do Mhanitoba aig an àm ud. Bha Mr. Mac T. fhd sè laithean deug air an rathad, “a’ cadal ’s an oidhche ann an tent, le a ghunna làimh ris.” Shaothraich e fad tri seachduinean a measg a luchd dùthcha ’s a chearn ud, ni bha na riarachadh mor do ’n t-sluagh bhochd a bha air an dùnadh a mach o’n chuid eile de ’n t-saoghal. Anns a bhliadhna 1887 fhuair e ’n onair D. D. o dha oil-thig Phresbiterianach ’an Canada. Dh’ fhàg e Canada o chionn sè bliadhna deug agus dhruid e ri gairm a Inbhirnis far a bheil e fathast e saoithreachadh. Bha sluagh mor cruinn ann an Talla a bhaile air a 4mh latha de Dhesember a dh’ fhalbh, gu onair a chur air an Dotair aig ceann an leth-cheud bliadhna de ’mhinistrealachd. Bha sporan airgid air a chur na làimh anns an robh sè fichead pùund Sasunnach. Bha mar an ceudna òraidean fileanta air an liubhairt agus litrichean-molaidh air an leughadh o Chléirean ’s o cho’-thionalan araon an Alba ’s an Canada. Tha ’n Dr. Mcc Thamhais fathasd làidir fallain, ged tha e dlùth air a cheithir fichead, agus comasach air obair gu math na cho’-thional fhéin ann an priomh-bhaile na Gàidhealtachd. C. C. Geinn dheth fhéin a sgoilteas an darach. Na abair ach beag, ’s abair gu math e. Na cuir do spàin ’an càl nach buin dhuit. Millidh bo buaile, ’s buairidh bean baile. Cha’n eil àite ’m bi meall nach bi fasgadh mu ’bhon Cha ’n e na chosnar ni saibhir ach na chaomhnar. [TD 268] [Vol. 3. No. 34. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J.G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, FEBRUARIDH 23, 1895 Tha fuachd gàbhaidh aca anns an Roinn-Eorpa. Chaidh tri duine fichead a dhìth leis an fhuachd ann an ceàrna de Austria eadar Di-domhnaich ’s Di-ciaduin s’a chaidh. Cha robh leithid ’san dùthaich sin o chionn fada. Faodaidh sinn a ràdh air son fiosrachadh na muinntir sin le ’m b’ àil litir no ni dhe’n t-seòrsa sin a chur anns a’ MHAC-TALLA, gu feum ainm an fhir a sgriobhas i a bhi ris gach litir. Tha sinn ag iarraidh so, cha’n ann gus an t-ainm a chlò-bhualadh, ach air son fios a bhi againn cò bhuaithe tha i, agus mur bi sin againn, cha chùram gu’n téid litir no óran no ni sam bith eile an clò. Tha cogadh Shina us Iapan a’ dol air adhart, agus Iapan a sior bhuannachadh. Thug a h-armailtean a mach daingneach làidir air cladach Shina o chionn ghoirid, ann an àite ris an canar Wei Hai Wei. Ghlac iad gach gearasdan us soitheach-cogaidh us eile a bh’ aig na Sineich a dion a phuirt. ’N uair a chuala Iompaire Shina gu’n d’ thug an t-arm aige suas, dh’ orduich e gu’m biodh na ceannardan uile air an cur gu bàs; ma chaidh gus nach deachaidh sin a dheanamh cha chuala sinn. NA SEAN-FHACAIL. “AIR GHLAINEAD AN TOBAIR, BIDH SALACHAR ANN.” Cna ’n ’eil neach sam bith coimhlionta. Cha ’n ’eil neach sam bith cho glic ’s nach dean e iomadh car gòrach, mar a rinn Solamh, ged is é an duine bu ghlice a bha no ’bhitheas air an t-saoghal. Ged bu chiùin Maois, nochd e uair is uair gu robh beagan de ’n chaise ’na nàdur. Ged bu laidir, treun Samson, chaill e a neart car ùine, a chionn nach do sheachain e an t-olc. Ged bu mhòr foighidinn Iob, thug trioblaidean troma an t-saoghail air ’fhoighidinn a chall car ùine. Tha so agus mòran eile a dh’ fhaodamaid ainmeachadh a’ comharrachadh a mach dhuinn, nach ruig sinn a leis uaill a dheanamh as ar mathas. Cha ’n ’eil neach math ann ach a h-aon, eadhon Dia. “AIR MHEUD ’S A THEIR NA SLOIGH, CHA GHLOIR A DHEARBHAS ACH GNIOMH.” Anns gach linn, agus am measg gach sluaigh, bha agus tha daoine a dheanadh feum mòr, nan deanadh bruidhinn e. Tha iad làidir gu leòr gus an cuirear deuchainn orra; tha iad fialaidh gu leòr, mur iarrar dad orra: tha iad fòghluimte gu leòr gus an ceasnaichear iad. An uair a shuidheas iad air creig anns a’ chladach, is ann dhaibh is fhearr is aithne seòladaireachd a dheanamh na do na fir a tha gu dìchiollach a’ feuchainn ris a’ bhàta a thoirt a steach do ’n acarsaid. Nam faigheadh iad an cothrom, dheanadh iad am fortan saoghalta ann an aon bhliadhna. Chuireadh iad ceart a h-uile ni a tha cearr anns an rìoghachd, nan robh iad a’ riaghladh. A dh’ aon fhacal, dheanadh iad a h-uile ni anabarrach math—ach na nithean a tha iad a’ dheanamh. Mar is trice, cha ’n fhaicear a’ bheag a dh’ obair mhath sam bith an déigh saothair nan daoine briathrach so. “AIR SON MO CHUID-SA DE ’N GHRAN, LEIGIDH MI AN ATHA ’NA TEINE.” Is e duine truagh, féineil a labhair na briathran so. Tha mòran dhaoine ann a tha cearta coma ged a thigeadh call mór air daoine eile, mur tig a’ bheag de chall orra fhéin. “AITEAMH NA GAOITHE ’TUATH AIR AN T-SNEACHDA—TUILLEADH A CHUR ’NA CHEANN.” Is e gnè na gaoithe’ tuath a bhith fuar aig gach àm. Ged ’thigeadh a’ ghaoth a tuath ’san iuchar bidh am fuachd na fochar. Tha iomadh neach ann a dh’ fhàgas gach obair anns an cuir e a lámh moran ni ’s miosa na fhuair e i. IAIN. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 269] [Vol. 3. No. 34. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh còig ceud dolair a chosg air an rathad-iaruinn eadar Sidni us Cow Bay, a’ cur an t-sneachda dheth an deigh na stoirme. Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh an eaglais an aiseig am Mira am màireach. Tha ’n t-Urr. Mr. Calder ri bhi air a chuideachadh leis an Urr. D. Sutharlan, á Gabarus. Tha ’n latha a’ fàs gu math fada. Cha mhor nach aithnichear na tha ’dol ris na h-uile latha. Bidh an latha mu dheireadh dhe’n mhios so uair us deich mionaidean na’s fhaide na bha cheud latha. Tha na ròìdean glé dhona air feadh na dùthcha an dràsda. Ann an iomadh àite cha’n fhaighear ach gann falbh orra idir. Tha na tuathanaich mar sìn air an glasadh aig an tigh, agus tha sin a’ cumail malairt anns na bailtean car marbh. Tha ’n dùthaich glé fheumach air uisge. Ghearr fear Ruairidh Mac Aonghais, tuathanach a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a chas latha-eigin air an t-seachdain s’a chaidh, ’s e ’gearradh connaidh anns a choille. ’N uair a fhuaireadh e, cha mhòr nach robh e air tràghadh, agus bha e ùine mhòr gun tigh’n thuige fhéin. Chaidh duin’ òg, Eideard Brenton, a mharbhadh ann am muileann-sàbhaidh faisg air Truro, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ’dha chois air an gearradh dheth, agus bha a chorp air a mhilleadh gu dona. B’ aon mac bantraich e, agus cha robh dòigh tighinn beò aice ach a chosnadh-san. Cha robh réis each ann Di-màirt idir mar a bha daoine ’n dùil. Bha’n deigh air a còmhdach le sneachda air chor ’s nach b’ urraiun daibh réis a chur. Mur tig uisge a dh’aithghearr a leaghas an sneachda, tha iad a cur rompa rathad a réiteach air an deigh, agus bi’dh ’n réis aca air an ath sheachdain. ’S duilich an duine ’thoileachadh. Mu mheadhon a mhios s’a chaidh, bha ’n aon fhacal am beul gach fir, “’S bochd nach tigeadh tuilleadh sneachda.” Thàinig an sneachda, agus an diugh cha chluinnear ach daoine ’guidhe gu ’n tigeadh aiteamh a bheireadh air falbh meall dhe’n t-sneachda. Chaochail seann duine do’m b’ ainm Godfrey Worth ann an New Brunswick air an t-seachdain s’a chaidh a bha ceud bliadhna ’sa seachd a dh’ aois. Bu sheann saighdear e; bha e anns a chogadh a bh’ eadar Breatuinn ’s na Stàitean ’sa bhliadhna 1812. Bha e tarruinn peinsean o chionn ioma bliadhna. Cha’n eil teagamh nach b’e an duine bu shine ’bh’ anns an dùthaich. O chionn da sheachdain, dh’ fhàg seana bhean do ’m b’ ainm Mòr Robestan, a dachaidh faisg air Charlottetown, E. P. I., gus a dhol gu tigh coimhearsnaich. Cha do thill i ’nuair o bha dùil rithe, agus shaoil càch gur ann a dh’ fhuirich i gus am biodh an stoirm seachad. An ceann chòig latha, chaidh iad ’ga h-iarraidh, agus fhuair iad a corp anns an t-sneachda, faisg air an tigh. Chuir fear Frank Forost, ann an Lowell, Mass., geall gu’n òladh e de dh’ uisge beatha nà phàigheadh fear eile air a shon, agus an deigh dha tri gloineachan deuga òl, thuit e marbh. Rinn na stoirmeannan a bh’ ann air a’ mhios so call mòr air a mhuir. Bha soithichean air an call, agus bha feadhain eile air am milleadh ’s air an cumail air ais gu mòr. Rainig soitheach-smùide Frangach baile New York air an t-seachdaìn s’a chaidh, ’s i còrr us seachcain air deireadh air an àm a bha dùil rithe. Tha luchd-riaghlaidh a bhaile a bruidhinn air còig mile fichead dolair ($25,000) a ghabhail an iasad air son an obair-uisge chriochnachadh, seann ainbhfhiach a phàigheadh, agus cabhsairean cearta chur ris na sràidean. Tha coinneamh gu bhi aca Di-ciaduin s’a tighinn, agus gheobh a h-uile h-aon a tha pàigheadh cìse ’sa bhaile, cothrom air a ràdh co-dhiù théid no nach téid iad air adhart leis. Co is urrainn an t-óran ris an canar “Meirleach nam marag” a chur g’ ar n-ionnsuidh. Bha e air a chlò-bhualadh anns a “Phictou News” o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha e ’tòisoachadh mar so:— “An d’fhidir, an d’ fhairich, no ’n cuala sibh. Co e ’m fear giobarlach, suarach ud, ’Thug leis mo chuid ime, ’S mo mharagan milis, ’S gach ubhal us iomall a fhuair e leis.” Bidh sinn an comain neach sam bith a chuireas an t-òran g’ ar n-ionnsuidh. Chaidh gille beag do’m b’ainm Francis Baker, a mharbhadh ann an Eilean a Phrionnsa an là roimhe, le each a dhol thairis air. Bha e fhéin us treud de ghillean eile a’ spéileadh (coasting) air taobh cnoic le sleigheachan beaga, agus thainig triùir dhaoine le eich us sleigheachan an rathad. Chaidh té dhe na sleighaachan fo chasan fear de na h-eich, agus leis an eagal a ghabh e thug e cruinn-leum air adhart ’s air muin fear dhe na gillean. Bhuail e ’sa cheann e, agus leòn e e cho dona ’s nach robh e beò ach gu maduinn an ath latha. POSAIDHEAN. Aig Sidni, air an 12 la de ’n mhios so, leis an Urr. I. F. Forbes, Iain Mac Fhionghain, us Mairi A. Dhomhnullach, le chéile a Salmon River. Air Feb. 19mh la, leis an Urr. U. R. Calder, Aonghas Moireastan us Bessie Mhoireastan. BAIS. Aig Kennington Cove, Bantrach Uisdein Wilsoin, 88 bliadhna dh’ aois. Rugadh i ann an Uidhist a chuin a Deas, agus thainig i do’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1842. Dh’ fhàg i ceathar mhac us aon nighean, fear de na mic ’san t-seann dùthaich. ’Se Nic-Phéitiris a bh’ innte mu’n do phòs i. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. DUAISEAN dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas. I. Caraid nan Gaidheal. II. Sàr-obair nam Bàrd. III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein. Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 270] [Vol. 3. No. 34. p. 6] Na Baird Ghaidhealach bho 1645 gu 1725. Bha moran de bhaird ’s de bhana-bhaird ainmeil an Albinn eadar 1645 agus 1725. ’Nam measg bha an fheadhainn a leanas:—Eachann Breach, Diorbhail Nic-a-Bhrierthainn, an Ciaran Mabach, Iain Lom, Niall Mac-Mhuirich, Bard Mhic-’Ic-Iain, an Clarsair Dall, Iain Mac Ailain, Iain Dubh mac Iain mhìc Ailain, Sile na Ceapich, Catriona Nic-Gilleain, Tormaid Ban Mac Leoid, am Piobaire Dall, am Bard Mac-Mhathain, an Aigeannach, Mairearad Nighean Lachinn, agus an Ceistear Crubach. Tha e air a radh, ’nuair a bha Clann-Ghilleain a deanamh deas gu dhol gu blar Inbhircheitein, gun danig bean as an Ros Mhuileach le seachdnar mhac gu fear Ghrulain. Cait, ars esan, an d’ fhag thu Niall Buidhe? Fhreagair i gun d’ fhag i aig an taigh e, air gun robh i ’smaointinn gun dearndh seachdnar an gnothach. Thoir dhachaidh an t-seachdar, arsa fear Ghrulain, agus cuir Niall Buidhe an so. Thanig Niall Buidhe, a bha na dhuine anabarrach foghainteach agus dh’ fhalbh e fein sa sheachd braithrean a chum a bhlair. Thuit iad uile ann an Inbhircheitein ach Eachann. B’ e so Eachann Bacach am bard. ’S ann an Inbhircheitein a fhuair e na leoin a dh’ fhag bacach e. Tha oran an Sar Obair nam Bard le Eachann Bacach a tha toiseachadh mar so:— A Lachinn Oig gun innsinn ort Sgeul a’s binn ri aireamh, Nis on rinn e craobh-sgaoileadh ’S na bheil an taobh so dh-fhairge. Tha thu lan de dh-fhinealtachd, Cho ceart ’s a dh’innseas seanachas; ’S gur macan garg da-rireamh thu An am dol sios an garbh-chath. Cha b’ ann do Lachinn Mor Dhubhairt a chaidh an t-oran so a dheanamh, ach do ’n Lachinn sin a chog fo Mhontros, ogha Lachinn Mhoir. Tha ’m facal macan a ciallachadh gaisgeach. An aite macan garg no gaisgeach garg is e a tha ’n Sar-Obair nam Bard mac Iain Ghairbh, facail a tha uile gu leir cearr. Bha mac aig Niall Mor Mac-Mhuirich do’m b’ ainm Lachainn, bha mac aig Lachinn do ’m b’ ainm Domhnull, is bha mac aig Domhnull do ’m b’ ainm Niall. Rugadh Niall Mac-Mhuirich—Niall Mac Dhomhnuill—mu’n bhliadhna 1635. Rinn e marbhrann air Domhnull Muideartach a chaochail sa bhliadhna 1686, marbhrann air Sir Tormaid Macleoid, Bhearnara a chaochail sa bhliadhna 1705, agus marbhrann air Ailain Muideartach a Mharbhadh an Sliabh-an-t-Siorra sa bhliadhna 1715. Tha na tir dain so ann an leabhar Chloinn-Raonuill. Bha Niall mac Mhuirich na dheagh sgoileir ’s na bhard math. Is e a b’ ughdar do ’n chuid mhoir de Leabhar Chloinn-Raonuill. Chaochail e an uine ghoirid an deidh 1715. Bha da mhac aige, Domhnull agus Lachinn. Bha Domhnull na bhard. Bha mac aig Lachinn do ’m b’ ainm Niall. Bha Niall so, cuideachd, na bhard. Thug Niall beagan de chraicnean sgriobhte do Mhac Mhaighstir Alasdair agus beagan do Raonull a mhac. Thug e an Leabhar Dearg do Sheumas Mac-Mhuirich sa bhliadhna 1760. Chuir Raonull Domhnullach am mach da dhan le Niall Mac-Mhuirich, Niall Mac Dhomhnuill. Tha iad le cheile ann an Sar-Obair nam Bard. Chan fheil coltas sam bith aca ris na dain a sgriobh Niall fhein ann an Leabhar Chloinn-Raonuill. Gidheadh faodaidh e a bhith gur h-e a rinn iad. Rinn Sile na Ceapich marbhrann air bas Shir Seumas Mac-Dhomhnuill, a chaochail sa bhliadhna 1723. Tha an darna ceathramh air bas a fir, an treas ceathramh air bas a nighinn, agus a chuid eile air bas Shir Seumas. Bheir mi seachad da cheithreamh dheth. Chaill mi sin ’s mo chuilein gradhach, Bha gu foinnidh, bha gu h-aillidh, Bha gun bheum, gun leum, gun ardan, ’S guth do bheil mar theud na clarsich. On ’s e so deireadh ’n t-saoghail bhruidhnich, Ard Righ, dean sinn ortsa cuimhneach; ’N deidh an latha thig au oidhche, ’S thig an t-aog air chaochladh staidhle. Chaochail Alasdair Dubh Ghlinne-Garadh sa bhliadhna 1724. Rinn Sile marbhrann da. So an ceithreamh mu dheireadh dh’ i:— Guidheam t’ anam a bhi sabhailt’ On a chaìreadh anns an uir thu; Guidheam sonas air na dh’ fhag thu Ann ad aros ’s ann ad dhuthich; Guidhean do mhac a bhi ’t aite Ann an saibhreas ’s ann an curam.— Alasdair a Gleanna-Garadh, Thug thu ’n diugh gal air mo shuilean. Tha cuid ag radh gur h-e nighean do Dhomhnull Gorm Shleite a bha anns an Aigeannich. Chan fheil bonn aca air a shon sin ach gu bheil leabhar Mhic-Gillios ag radh “nighean Dhomhnuill Ghuirm” rithe. Bha da Dhomhnull Gorm ann ann am Muideart aig a cheart am san do rugadh an Aigeannach. Nach faodadh i a bhith le fear dhiu so? Tha Mac Mhaighstir Alasdair ag radh gur h-e Mari a b’ ainm dh’ i, gum bu nighean i do dh-Iain Mac Iain, agus gur h-ann de theaghlach Mhuideirt a bha i. Faodaidh e a bhith gum buineadh i do dh-Iain Dubh mac Iain Mhic Ailain. Tha cuid ag radh gur h-e Nic-Gilleain a bha ’m Mairearad nighean Lachinn, ’s cuid eile gur h-e ban-Domhnullach a bha innte. Tha i-fhein ag, radh ann an aon aite— “Cait a bheil iad an Albinn, No thall anns an Olaint, Leithid cinneadh mo mhathar, Mach o ardan Chloinn-Domhnuill?” Ge b’e gu de a bh’ innte bha i na bana-bhard mhath. Tha ’Gaoir nam Ban Muileach ’na dhan comasach. ’S i ’n fhirinn gun do rinn Mairearad moran de dh-orain mhatha. A. M. S. FAICIBH. Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh air MINARDS LINIMENT, agus a fhuair e deanamh feum dhaibh. C. C. RICHARS, Co. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 271] [Vol. 3. No. 34. p. 7] SEAN FHACAIL Ge don’ an t-ian ’s miosa ’n t-isean. Ge dubh an dearcag, ’s milis i; ge dubh mo chaileag ’s boidheach i. Ge dubh an saor ’s geal a shliseag. Ge glas am fiar, fàsaidh e. Ge milis am fion tha e searbh ri ’dhiol. Tha deich muillein teaghlach anns an Fhraing. Tha dà mhuillein dhuibh so anns nach eil duine choinne, da mhuillein eile anns nach eil ach aon duine choinne, agus chà’n eil ach gann cairteal muillein anns am bheil seachdar chloinne. Anns an t-Suain, duine sam bith a ghabhas an daorach ceithir uairean, cha’n fhaigh e cead bhotadh tuilleadh. Ann an St. Petersburg, ceanna-bhaile Ruisia, ’nuair a ghabhas duine ’n daorach, tha ainm air a chur suas an àiteachan follaiseach air feadh a bheile, agus a bhàrr air sin bidh ainm air a chlò-bhualadh ann am fear de na paipearan-naigheachd. Air d’ a ministear a bhi ’ceasnachadh sean bhean d’a luchd éisdeachd, dh’ fheòraich e dhi mar so:—“Nach ’eil fhios agad gur h-ann de shliochd Adhaimh thu; agus gu ’n do thuit thu annsan?” Fhreagair ise “gu ’n robh dòchas aice nach b’ ann; gur h-ann a bha ise de na daoine coire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.” Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 272] [Vol. 3. No. 34. p. 8] DOMHNULL BEAG. Oran le Dùghall Mac Phail, air dha bhi air an rathad do Shasunn, ’s e’n deigh a bhean agus a mhac òg ’fhàgail. A Dhomhnuill bhig, o hù o hó, A Dhomhnuill bhig, o hù o hó, A Dhomhnuill bhig, o hù o hó, Tha m’ inntinn trom o’n dhealaich sinn. A Dhomhnuill bhig, ’s tu m’ ùigh a’s m’ annsachd, ’S i do bhlàth-shùil grian mo shàmhraidh; Chlaon gach ni gu duibhre ’gheamhraidh, Bho ’n a chaill mi sealladh ort. A Dhomhnuill bhig etc. Dh’ fhàg mi ’n nochd thu ’measg nan dù-Ghall, Ghabh mi fath ’n uair bha do chùl rium; ’S cinnteach leam gu’n dean thu m’ iùnndrainn Mu ’n tig dùiseal cadail ort. Dh’ fhàg mi ’n diugh thu fhéin ’s do mhàthair, As mo dheigh ro chianail, cràiteach; Cruadhs’ na bliadhna, ’s cha ’n e’n t-àilghios, ’Chuir an dràst do Shasunn mi. S trom mo ghleus ’s mi ’nochd ga’r n-iùnndrainn, ’S mi air bàrr nan strachd-thonn dùmhail, ’Fàgail Albainn air mo chùl-thaobh, ’Dol a nùll thar “Berwick.” Chi mi mach thar guala ’n fhuaraidh, Cladach garbh is gailbhich nuallan; ’S mor gu’m b’ fhearr ’bhi ’fàgail Chluaidh, Sa’ stiùradh tuath air “Ealasaid.” ’S beag tha dh’ fhios aig fleasgaich aosda, ’Liuthad ànradh a’s cruaidh-fhaochnadh ’Th’ aig fear-teaghlaich air bheag maoin, A’ strì ri saoghal carraideach. Ach ged tha mi bochd ’n am chrannchur, ’S beag na th’ agam fhéin de fharmad Ris na fleasgaich sheasga, bharr-chruaidh Ged robh sealbh air fearann ac.’ Am fad ’s a gheibh mi biadh a’s aodach. ’S comunn bláth mo chéile ghaoil Le ’fiùrain òga ’fàs ri ’taobh, Cha chuir an saoghal smalan orm. Ged tha mise cian air fògar Bho na glinn ’s an goir an smeòrach, ’S ioma linn o’n bha mo sheòrsa Eadar Rothaill ’s Brathadal. ’S ioma cearn d’ an d’ rinn iad sgaoileadh, Deas a’s tuath air feadh an t-saoghail; ’S iad na Goill ’s na caoirich-mhaola ’Chuir mo dhaoin’ air allaban. ’S ioma fàrdach fhialaidh, aoibheil. ’Bh’ anns a’ ghleann am faight ’an aoidheachd, ’Tha gun cheann, gun chrùb, gun taobhan, Fo na caoirich Shasunnach. Gleann mo chridhe! gleann mo dhùthchais, Gleann nan raon ’s nam fuaran cùbhraidh, Na ’m bu leam ach trian de ’m dhùrachd, Sud an ùir ’s an caidilinn! ORAN. A rinneadh le Domhnull Moireastan (Domhnull Fidhleir) ann a’ n’ Kenyon ca Siorramachd Ghleann-a-garraidh, an Canada, do mhathan a thug muc bho dhuine àraidh sa choimhearsnachd. FONN:— Ho io hi ri o ho ro hall. Ho is hi ri o ho ro hall. Ho io hi ri o ho ro hall. ’Smairg tha fuireach gu bràth. Anns an àite ’tha ann. ’S lium as duilich mar thachair Do mhac Ruairidh bhuachille, Bho ’n bha m’eòlas cho gasd air ’Se fada mu’n cuairt domh: Duine foinnidh, deas, toirteil, Do Chloinn Toircill a chruadail, ’S’ nan robh aire air a mhortair, Cha d’ rinn e mhuc a thoirt bh’ uaithe. Thàinig famhair ’san dorcha Gu Tormad mac Ruairidh, Cha robh an duine fo armachd, Cha robh farbhas ma’n cuairt da, Na bithibh idir am barail; Gur h-i ghealtachd a bhuail e; Bha e fada bho dhaoine, ’S bha e glaodhaich ’s cha chual iad. Bha e ’cluinntinn a h-atar, ’S gu grad chuir e ’chluas ris, Cha robh aire air a chadal ’S ann a b’ fhada sud bhuaithe, ’Cluinntinn sgreuchail na muice ’S theich ha h-uirceanan bhuaipe, Tha an dòlas air tighinn, Neo ’se ’n cuthach a bhuail i. Dh’ éirich e ’nairde ’S chuir e làmh anns gach ursainn, ’S bha cuid diubh gu sgàthach A cluinntinn àinich an trusdair; Thuirt màthair Iain bhán ris, “Gabh ma thàmh ’sna can dìog ris; Ma thàrras e greim ort, Bith thu ’d bhloighdean thiota.” ’S truagh nach robh claidheamh Na d’ làimh anns an uair sin, No musgaid mhath, chinnteach, Air a lionadh le luaidhe. Do shuil dùinte air an amhairc, ’S tu caitheamh air thuarmas; ’S nan tugadh i sradan, Bhiodh am mathan gun ghluasad. Galair a ghonaidh Air an rogaire bhradach, Meirleach na feòla, An eòrna ’sa choirce, Cha’n fhaigh earraidean còir ort, Cha ’n eil dòigh air do g’acadh; Cha ’n eil craobh anns an àite, Air a h-àirde nach streap thu. A. M. M. Leighsidh Minard’s Liniment Déideah. Cluinnidh am bodhar buaim an airgid. Cuiridh aon tràth air ais laogh us leanabh. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 273] [Vol. 3. No. 35. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 2, 1895. No. 35. MAC-THAMHAIS BEAG NAN SAIGHDEAN. Bu chleachdadh leis na daoine treuna o ’n d’ thainig sinn, an uair nach bitheadh iad a’ cogadh an aghaidh a cheile no an aghaidh nan Sasunnach, a bhi a’ togail creiche. Anns na laithibh sin cha robh e air a mheas ’n a ni tamailteach do neach air bith a bhi ri meairleadh air an doigh so, ach is ann a bha e air a mheas ’na ni ro mheasail a bhi a’ creachadh fine eile. Mar so bha e gle thric a’ tachairt gu ’n rachadh ard-uaislean le ’n cuid daoine a ghoid cruidh agus chaorach. Bha buidhnean beag de chreachadairean anns gach gleann, agus mar a b’ fhaide a rachadh iad a thogail creiche, is ann a bu mheasaile iad am measg an luchd-duthcha. Anns na linntibh a dh’ fhalbh, thog ochdnar de ghillean lùthor, tapaidh orra o Bhaideanach, agus thriall iad gu sunndach air an slighe troimh mhonaidhnean Atholl. Ghabh iad gach ath-ghoirid troimh na beanntan gun tighinn am fagus do na bailtean. Chum iad, gun stad air an ceum, air an aghaidh gu deas. Theirinn iad air Srath-Thatha aig Laganràta, agus ghabh iad an ceum gu Srath-Bhreamhainn. Cha do stad iad an so, ach dhirich iad troimh Ghleann-Gamhar, mu thri mile an iar o Dhunchaillionn, agus an uair a rainig iad ceann eile a’ ghlinne, aig dol fodha na greine, rinn iad suidhe car tamuill a leigeil an sgios. Bho ’n aite-suidhe chitheadh iad ceo deathaich baile Pheairt, agus iomadh achadh ruadh fo bharr tarbhach. Aig iochdar na beinne, dluth dhoibh, bha Tulaich-Bhealltainn le iomadh mart boidheach ag ionaltradh air a raointean gorm. Is ann a spuinneadh nan raointean sin a thainig na daoine gach ceum a Baideanach. Rinn iad tamh gu tamh. An sin theirinn iad agus chruinnich iad an spreidh ri ’cheile, agus ghreas iad ris a’ bheinn iad gun aon neach ’g am faiainn no ’g an cluinntinn. Cha do chum iad an t-slighe air an d’ thainig iad, ach chaidh iad thairis air Breamhainn aig Allt-a’ mhadaidh, ceithir mile ni b’ airde, agus rainig iad aite fasail am fagus do Ruith-na-Scotach rir an abradh iad Ruith-an-t-srathain mu choig mile o Abarpheallaidh. Runaich iad fuireach an so gus an tigeadh an oidhche, agus an sin dol air an aghaidh troimh Shrath-Thatha. An deigh mheadhon latha thoisich na glllean air cluichean, a chur seachad na h-uine gu feasgar. Bha boghachan-saighead aig ceithir dhiubh, agus thoisich iad air bhi tilgeadh shaighead air comhar a chuir iad suas. Am feadh a bha iad gu cridheil a’ farpais ri ’cheile mar so, thainig gille beag de chìobair d’ an iounsaidh, agus bha e a’ sealltainn orra, ma b’ fhior, le tlachd ro mhor. Thoisich e air ruith a thoirt air ais nan saighead a bha iad a’ tilgeadh. An uair a bha e greis mhor a’ ruith mar so, thuirt e na ’n tilgeadh iad na bh’aca de shaighdean, gu ’n tugadh e air an ais iad comhla. Rinn iad so, ach ’s ann a thrus an ciobair na saighdean agus chuir e iad ann am balg a bh’ aige air a dhruim fo ’bhreacan. Thug e ann sin tarruing air boghs beag de stailinn a bha air chleith fo ’chota. Thionndaidh e an sin ris na creachadairean agus thuirt e mur fagadh iad an crodh agus an rathad a thoirt orra gu luath, gu ’n cuireadh e saighead troimh gach fear dhiubh. Thug iad ionnsaidh air bhi aige, ach an uair a chunnaic iad an t-saighead deas air a’ bhogha stad iad. Thuirt an ceannard ris, “Ciod a tha thu ag radh, a phocain leibidich, no co thusa?” “Tha sibh a’ cluinntinn ciod a tha mi ag radh,” ars’ am beul a’ ghlinne gus an robh an oidhche dorcha, agus muinntir air dol esan, “agus co air bith mi faodaidh tusa bhi cinnteach as an t-saighead so ma thig tha ceum na ’s faisge.” M’ an robh uine aige freagairt a thoirt rinn aon d’ a chompanaich cagar ’n a chluais gu ’n robh e am barail gu ’m b’ e so Mac-Thamhais beag nan saighdean air an cual’ iad moran iomraidh. Bha Mac-Thamhais ro ainmeal mar am fear-bogha a b’ fhearr anns an duthaich air fad; agus bha e cheart cho ainmeil air son a luathais. Thug e mach iomadh buaidh air son a theomachd leis a’ bogha, agus air son ruith réisean. Rainig a chliu eadhon gu Baideanach gar am fac iad e fein riamh. “An tusa Mac-Thamhais nan saighdean o ’n tha thu cho sporsail as do thapachd?” dh’ fheoraich an ceannard dheth. “Is mise sin, gu dearbh, le ’r cead,” ars’ an ciobair. Chunnaic na spuinneadairean nach robh seol aca air cur ’n a aghaidh nis o nach robh saighead aca; agus ged rachadh iad g’ a ruith, bha fios aca nach robh aon ’n am measg a b’ urrainn a ghlacadh. A thuilleadh air sin, chaitheadh e an saighdean fein orra. An deigh comhairle a ghabhail am measg a cheile, chunnaic iad nach robh ach an aon doigh aca aìr dol as—falbh agus an crodh ’fhagail as an deigh. A’ guidhe mile mallachd air a chìobair, thionndaidh iad agus thug iad am monadh orra. Chruinnich an ciobair an spreidh agus thug e iad air an ais gus na daoine d’ am buineadh iad aig Tulaich Bhealtainn, Air son a thapachd fhuair Mac-Thamhais aite fearainn d’ an ainm Arachail, am braigh Abar-pheallaidh, saor da fein, a mhac agus ’ogha. Tha a shliochd ann an Arachail gus an latha ’n diugh, ged a mhùth iad an sloinneadh gu Caimbeulaich; agus tha an sgriobhadh a fhuair Mac-Thamhais beag nan saighdean, fathast aca a leigeil ’fhaicinn mar a fhuair e còir air an àite. D. C. Leighsidh Minard’s Liniment Lòinidh. [TD 274] [Vol. 3. No. 35. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB V. Mar is trice, an uair a bhios daoine car ùine ’bruidhinn mu nithean cumanta, fàsaidh iad sgìth de ’n cuid bruidhne, agus mu dheireadh théid guth thairis air a’ chùis gu buileach, agus cha chluinnear iomradh tuilleadh air. Ach cha b’ ann mar so a thachair do ’n t-sluagh a bh’ air oighreachd Cheann Locha. Cha robh de dh’ aobhar bruidhne aca fad iomadh seachduin ach pòsadh an uachdarain. Mar bu dluithe a bha àm a’ phòsaidh a’ tarruinn dhaibh is ann bu mhò a bha an aire air a togail leis a’ chùis. Mu dheireadh thàinig an t-àm. Le òrdugh an uachdarain rinneadh gach ulluchadh feumail a chum banais mhór, éibhinn, aighearach a dheanamh air an oighreachd, agus cuireadh fialaidh, farsuinn a thoirt do gach beag is mòr, òg is sean, bochd is beairteach a thogradh cruinneachadh air latha na bainnse gu ruige Taigh na Coille. Thachair do ’n aimsir a bhith glé bhriagha; oir b’ ann mu thoiseach an fhoghair a rinneadh am pòsadh. Is gann gu robh duine do ’m b’ urrainn a dhol a mach á taigh an taobh a staigh de chrìochan na h-oighreachd nach do chruinnich thun do bainnse. Bha Taigh na Coille làn o làr gu ’mhullach, agus bha gu leòr de na daoine òga aig a’ bhòrd mhòr, fhada a bha am muigh air an réidhlean mu choinneamh an taighe. Bha mòr-phailteas de bhiadh de gach seòrsa air gach bòrd. Bha sitheann fhiadh agus earbachan, agus bradain tharra-gheal ann am pailteas ann. Agus bha lionn is fion de gach seòrsa air an cur an tairgse gach neach. Cha d’ òrduich an t-uachdaran deòch bu treise a thoirt seachad, air eagal gu ’n tachradh do chuid de na bhiodh aig a’ bhanais barrachd de ’n dibh a ghabhail air na bhiodh gu math dhaibh. Aig an àm ud cha robh e mar chleachdadh aig cuid mhòr de na daoine bu mheasaile agus bu shaoibhire a bhith tairgse mòran de dheoch làidir, mar a tha branndaidh agus uisge-beatha, do ’n mhòr-chuideachd a bhiodh cruinn aig bainnsean no aig cuirmean móra eile. Bha daoine mar bu trice a’ creidsinn nach robh deoch ann cho math ri fion. Mar dhearbhadh gu robh so mar so, faodar an sean-fhacal a leanas ainmeachadh: “Gu faighear deoch a’s fheàrr na fìon, cha ’n fhaighear biadh a’s fheàrr na feòil.” A dh’ aindeoin cho pailt ’s gu robh am biadh ’s an deoch, cha b’ urrainnaar a ràdh gu robh neach am measg na cuideachd gu lèir a ghabh barrachd air na bu chòir dha. Mar a dh’ ainmicheadh aig toiseach na h-eachdraidh so, bha ’n sluagh air an cleachdadh ri bhith aig cuirm ann an Taigh na Coille o àm gu àm, agus mar sin, b’ asthne do ’n àireamh bu mhò dhiubh cia mar bu chòir dhaibh iad fhein a ghluasad ann an làthair muinntir a b’ àirde inbhe na iad fhein. Cha ruìgear a leas mion-chunntas a thoirt air mar a chuireadh an latha ’s an oidhche seachad. Fòghnaidh dhuinn a ràdh gu ’n do chuir iad seachad an ùine gu cridheil sunndach aig gach fearas-chuideaehd neò-lochdach a bhiodh daoine a’ cleachdadh aig an àm ud. Bha ’ghrian an àirde nan speur an là-iar-na-mhàireach mu ’n d’ fhalbh iad o Thaigh na Coille. Bha e dlùth air toiseach a’ gheamhraidh mu ’n d’ thàinig an t-uachdaran agus a bhean á Sasunn. Chuireadh Taigh na Coille ann an òrdugh a muigh ’s a staigh gu math ’s gu ro mhath air an coinneamh. An latha ’bha dùil riutha dhachaidh rinneadh a h-uile ullachadh a chum fàilte chridheil, chaoimhneil a thoirt dhaibh. Bha tein’-aighir air mullach gach slèibhe, agus rinneadh a h-uile subhachas agus greadhnachas a bha freagarrach agus iomchuidh aig an àm. Bha na h-uile ag aontachadh gu ’m bu chòir dhaibh gach ni a dheanamh a ghabhadh deanamh, a chum a leigeil fhaicinn do ’n bhann-Sasunnaich gu robh meas mòr aca araon oirre fhein agus air an uachdaran, agus gu robh mòr-aoibhneas orra ri bhith ’g a fhaicinn a’ tighinn dhachaidh le a chéile nuadh phòsda maille ris. Choinnich còmhlan de na fleasgaich òga bu tapaidhe ’s bu sgairteile a bh’ air an oighreachd ris a’ chàraid òig ann an àite sònraichte dlùth air crìochan na h-oighreachd, agus thug iad na h-eich as a’ charbad ’s dh’ fhalbh iad leis gun tilleadh buille gus an d’ ràinig iad Taigh na Coille. B’ ann air a’ cheart oidhche sin fhein a bha ’bhainis-taighe ri bhith aig an uachdaran. Cha robh air an cuireadh thun na bainis-taighe ach na ghabhadh “Talla na Cuirme” de ’n tuath. Cha d’ rinneadh eadar-dhealachadh sam bith eadar ua tuathanaich mhòra agus na tuathanaich bheaga. Cha b’ ann air saoibhreas a bha ’n t-uachdaran a’ cur urraim idir, ach air caitheamh-beatha cothromach agus ceart. A h-uile neach mar a bha ruighinn an taighe bha ’n t-uachdaran fhéin ’g an toirt an làthair bean-an-taighe, agus ag innseadh dhi cò iad. Bha ise a’ breith air làimh orra agus ’g am fàilteachadh gu caoimhneil. Feumar a ràdh gu robh cuid de ’n tuath bhig air an robh eagal nach b’ aithne dhaibh ciamar bu chòir dhaibh iad fhein a ghluasad an làthair bann-Sasunnaich; ach cha bu luaithe chunnaic iad a’ cheud shealladh dhi na thuig iad nach robh pròis no meud-mhòr sam bith fuaighte rithe. Ged a fhuair iad cuireadh gus a dhol thun na bainis-taighe cha robh iad idir an dùil gu suidheadh an t-uachdaran agus a bhean aig an aon bhòrd riutha. Ach cha b’ ann mar so a bha. Mar a b’ àbhaist, bha ’m bòrd mòr air a shineadh o cheann gu ceann de “Thalla na Cuirme,” agus o’n a b’ e oidhche na bainis-taighe a bh’ ann, bha sgiobadh a’ phòsaidh air an cur nan suidhe aig meadhon a’ bhùird, dìreach anns an dòigh anns an robh iad ’nan seasamh an làthair a’ phears-eaglais an uair a phòsadh iad. Bha so gu léir a réir a’ chleachdaidh a bha glé chumanta ’s an dùthaich. Aig an àm ud bha an àireamh bu mhò de na Sasunnaich ag amharc sìos le tàir air an àireamh bu mhò de shluagh na h-Alba. Cha chreideadh iad o dhuine sam bith gu robh a’ bheag de mhodh no de dh’ innsachadh aig sluagh bochd na h-Alba. Bha iad a’ creidsinn air an cosg gu robh na h-Albannaich treun, gaisgeil, cruadalacd an àm cogaidh; ach o nach robh fios aca air cor na dùthcha, cha robh smaointean sam bith aca gu ’m b’ aithne do ’n mhòr chuid de ’n t-sluagh cionnus bu chòir dhaìbh iad fhein a ghluasad ann am measg cuideachd. A nis, thàinig beagan chàirdean a Sasunn maille ris an uachdaran agus ris a mhnaoi. An uair a chunnaic iad a’ chuideachd a bha air an cuireadh thun na bainis-taighe bha mòr-ioghnadh orra. Ach is ann a bha ’n t-ioghnadh orra an uair a chunnaic iad an dòigh anns an robh na tuathanaich bheaga agus an cuid mhnathan ’gan gluasad fhein aig a’ bhòrd. [TD 275] [Vol. 3. No. 35. p. 3] Bha gach aon a bha làthair air an éideadh gu grinn, glan, sgiobalta mar a bha còir aca air a bhith aig a leithid de chomhdail. Ach ged a bha so mar so, bha e furasda gu leòr do neach sam bith ’aithneachadh cò iad na daoine bochda, agus cò iad na daoine beairteach. Ged a dh’ fhaodas na tuathanaich bheaga a dhol gu grinn, glan, speisealta ’nan éidaadh, gidheadh cha ’n urrainn dhaibh iad fhein a chur ann an aodach cosgail, riomhach mar a ni na tuathanaich mhòra. Le amharc air an aodach agus air an riomhadh leis an robh na tuathanaich mhòra air an eideadh, bha e furasda dealachadh a chur eadar iad agus na tuathanaich bheaga; ach bha na tuathanaich bheaga a h-uile buille cho modhail, cho iomchuidh, agus cho math gus iad fhein a thoirt as aig bòrd na bainnse ri daoine sam bith, ach ainneamh, a gheibhteadh ann an àite dùthcha sam bith. Dh’ iunnsaich iad am modh agus an uaisle leis an robh ad ’g an gluasad fhein aig an àm ud le bhith ’dol o àm gu am do Thaigh na Coille a dh’ ionnsuidh nan cuirmaan a bhiodh an t-uachdaran a’ toirt seachad gach bliadhna. Am modh agus an uaisle a bha na pàrantan a’ foghlum ann an cuideachd na muinntir a bha ni b’ fhìosraiche ’s ni b’ àirde inbhe agus breith na iad fhein, bha iad ’g a theagasg do ’n cloinn. Mar bu trice dh’ aithnicheadh duine sam bith air cainnt agus air gluasad an t-sluaigh gu léir gu robh iad ni b’ uaisle ’s ni b’ fhiosraiche na ’chuid eile de shluagh na dùthcha. Tha moran ann nach ’eil a’ toirt fa near gu bheil iad a’ cur urrainn air an dùthaich do ’m buin iad le bhith measail, modhail, iomchuidh ’nan gluasad. Air an làimh eile, faodaidh daoine mi-chliù agus masladh mor a thoirt orra fhein agus air an dùthaich do ’m buin le cion ’s nach toir iad fa near ciod is coir dhaibh a ràdh no dheanamh an uair a thachras dhaibh a bhith ann am measg choigreach. Am fear aig nach bi meas air fhein ann an àite an suidh no ’n seas e cha ruig e leas dùil a bhith aige gu ’m bi meas aig muinntir eile air. Mu ’n deachaidh na Sasunnaich air an ais do ’n dùthaich fhein dh’aidich iad nach fhaca iad tuath riamh roimhe a bheireadh bàrr ann an uaisle ’s am modh ’s am fiosrachahh air an tuath a bh’ air oighreachd Cheann Locha. Cha b’ urrainn dhaibh gun mor mheas a bhith aca orra. Cha b’ e sin a mhàin, ach bha am meas a bh’ aca air an tuath a’ toirt orra barrachd meas a bhith aca air an uachdaran na bh’ aca air roimhe sid. Thuig iad gu robh an t-uachdaran agus a chuid tuatha ro mheasail air a chéile. Bha bean an uachdarain ’na boirionnach ro thùrail, tuigseach, agus chord gach cùis rithe anabarrach math. Bha cuid dhe na càirdean a gràdh rithe mu ’n d’ fhalbh i à Sasunn, nach robh ach gann teaghlach ri fhaotainn ann an taobh tuath na h-Alba, ach teaghlaichean a bha ni b’ aineolaiche na chéile. Cha d’ thug i moran geill do na beachdan so, do bhrìgh gu robh amhrus làidir aice gur ann o aineolas a dh’ éirich iad. An uair a chunnaic i mar a bha ’n tuath ’g an gluasad fhein aig a’ bhord ghrad thuirt i rithe fhein, ma bha an tuath chumanta cho uasal agus cho fiosrach nan doighean, gu feumadh gu robh àrd uaislean na dùthcha a h-uile buille cho fada mach anns gach doigh ris na Sasunnaich. Ma chord doighean na tuatha agus gach ni eile a chunnaic iad ann an Taigh na Coille ris na Sasunnaich, cha bu lugha na sin a chord bean an uachdarain agus na càirdean a thàinig maille rithe á Sasunn ris an tuath. Cha robh prois no meud-mhor sam bith annta. Bha iad simplidh, aoidheil, fosgarra ’nan comhradh. Bha iad ach ’nan cumadh. Bha eadhon bean Bhaile-chnuic agus a cuid nigheannan ag aideachadh nach do chreid iad riamh roimhe gu ’m b’ urrainn a leithid de dh’ aoidh, de cheanaltas agus de thlachd a bhith anns na Sasunnaich. (Ri leantuinn.) Seann Sgeulachd Mu Bhraid-Albann. NA COIN DHUBHA. An uair a thainig an t-ordugh rioghail a mach gu Clann-Ghriogair a sgrios, agus gun aon sean no og, beag no mor d’ an chinne threun, mhisneachail sin ’fhagail beo, cha robh aon d’ an naimhdean fuileachdach a bu deine air an toir na na Caimbeulaich agus Donnachadh Dubh, Morair Bhealaich. Cha bu leoir leo daoine bhi ’ruagadh nan Griogarach agus ’g am murtadh, ach fhuair iad da chu a leanadh Griogarach cho dian agus nach robh seol dol as aige. Ghlac na Caimbeulaich bean de Chlann-Ghriogair agus thug iad oirre an da chuilean so ’thogail air a broilleach; agus an uair a dh’ fhas na coin, bha iad cho deigheil air na Griogaraich, agus gu ’n togadh iad faile aoin diubh an measg ceud fear de chinneach air bith eile. Mar so chaidh moran d’ an chinneach bhochd sin a ghlacadh ’n an àitibh-folaich leis na coin dhubha sin, agus a chur gu bàs, gus mu dheireadh an deachaidh doigh ’fhaotainn air na coin a mharbhadh. Thachair e mar so:— Bha duine d’ am b’ ainm Mac-Eoghain a’ tamh aig Taobh-Loch-Tatha aig an robh ban-Ghriogarach mar mhnaoi. Bha eagal air gu ’m biodh a bhean air a murtadh leis na coin, agus bha blàths ’n a chridhe do Chlann-Ghriogair air sgath a mhnatha. Chuir e roimhe cur as do na coin na ’m b’ urrainn da. Thoisich e le bhi ag radh nach robh na coin a’ glacadh ach neach air bith a thigeadh ’n an rathad, agus gu’n robh gach uile neach an cunnart uapa. Air do fheill a bhi anns a’ Cheann-mhor, chaidh Mac-Eoghain chum na feille, ach m’ an d’ fhag e a thigh fein fhliuch e a lamh agus a dhorn le fuil a mhnatha. Chaidh na coin a leigeil am measg an t-sluaigh a dh-fheuchainn an glacadh iad aon de Chlann-Ghriogair anns a’ chuideachd. Chuir Mac-Eoghain e fein ’n an rathad an deigh da bhi ag radh ris gach neach mu ’n cuairt da gu ’n leanadh na coin air Caimbeulach co ealamh ri neach eile. Thog aon de na coin faile na fola a bha air a laimh, agus ann am priobadh na sul bha e an sas ann. Bha ’fhios gach neach nach bu Ghriogarach Mac-Eoghain; dh’ eirich buaireas am measg an t-sluaigh, agus chaidh aon de na coin a spadadh an sin, agus am fear eile latha no dha as a dheigh: mar so chaidh cur as do na coin dhubha. Thoir gràdh do na h-uile; dean earbsa à beagan; na dean olc do neach; bi a’ d’ fhearr dùlain an neart ni ’s mo na ’n cleachdadh; agus gléidh do charaid fo iuchair do bheatha féin; fuiling bacadh air son a bhi sàmhach agus na togar cìs dhiot a chaoidh air son a bhi labhrach. Facail ’s am bith anns am bheil thu ag innseadh do sgeoil mur ’eil iad a toirt do mhuinntir eile na brìgh a tha thu féin a’ toirt asda, cha’n ’eil thu a’ d’ fhear-labhairt na fìrinn o d’ chridhe. [TD 276] [Vol. 3. No. 35. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MART 2, 1895 Bha deich air fhichead de dh’ fhòghlumaichean òga air am báthadh ann an amhuinn ann an Ruisia o chionn ghoirid. Bha iad a’ spéileadh air an deigh agus bhrist i fopa, Chaochail Tormad Mac Leòid, Ceann-cinnidh nan Leòdach, ann am Paris, baile-mòr na Frainge, o chionn tri seachduinean. Bha e ceithir fichead bliadhna ’s a tri a dh’ aois, agus b’ e an darra air fhichead ceann-cinnidh dhe’n ainm. Bha e ’na dhuine air an robh meas mor araon am measg a luchd-cinnidh fhéin agus am measg dhaoine eile. Bu leis na Leòdaich aon uair Leòdhas, Uihhist, agus a chuid mhòr de’n Eilean Sgiathanach; cha bhuin dhaibh aig an àm so ach glé bheag an coimeas ri sin ge do tha mu cheud gu leth mile acair fearainn air an ainm a tha toirt a stigh dh’ an uachdaran mu chòig mile punnd Sasunnach ’sa bhliadhna. ’S e Caisteal Dhunbheagain is dachaidh do’n teaghlach, agus is e an t-àite-comhnuidh a’s sine tha ’n Albainn air an la an diugh. Bha Mac Leòid so pòsda da uair. Tha a mhac a’s sine, Caiptean Tormad Mànus Mac Leòid, a nise air an oighreachd ’na àite. Dh’ fhoighnich maighsrir-sgoile de ’chuid sgoilearan uair gu dè ’m feum a bh’ ann an séithrichean, agus fhreagair nighean bheag gur h-ann a bha iad air son daoine chumail bho thuiteam air an urlar. Litir bho ’n Chamus. Is mor an aobhar thoileachadh e, da rireadh, gu’m beil cothrom air a thoirt de Chlann-nan-Gàidheal air comhrath a bhi aca ri chèile ’nan cainnt mhàthaireil fhéin, anns a’ MHAC-TALLA. Is ioma bliadhna ’bha so eu-comasach dhaibh a dheanamh; ach a nise bho’n tha ’n cothrom aca, is còir daibh a bhi dìleas, duineil, fialaidh, agus gach cuideachadh a’s urrainn daibh le ’n sporain ’s le ’m peann a chur an géill, los gu’n soirbhich leis a phaipear Ghàilig agus leis an uasal ’th’ aig a cheann. Tha aireamh mhòr a’ gabhail a’ MHAC-TALLA fhad ’s a tha m’ eòlas dol air feadh Siorramachd Inbhirnis, agus tha meas mòr aig gach aon diubh air mar phaipear naigheachd. Tha, a rithisd, na sgeulachdan taitneach ’tha tighinn, bho am gu am air an cur an eagamh a chéile ro-mhath. Tha na h-òrain beusach, blasda, ceòlmhor agus air an toirt duinn ni ’s dloghuinniche na chuala sinn roimhe iad. A dh’ aon fhacal, cha chuala mi duine fhathasd a’ càineadh a MHAC-TALLA,—rud nach eil mar aineol air mòran de na paipearan beurla. Mu ’n do thog MAC-TALLA a cheann, cha robh luchd leughaidh Gàilig ach tearc ri ’m faotainn anns a chearn so; ach an diugh ’sann a shaoileas sibh gu’n robhas a’ teagasg Gàilig anns na sgoilean chionn bhliadhnaichean, leis cho fileanta ’sa théid aig earrann mhòr de ’n òigridh air a leubhadh. Is aithne dhomh mar an ceudna, cuid diubh ’tha teannadh ri ’sgrìobhadh, agus cha’n fhada gus an cuir feadhainn diubh so litrichean pongail gu MAC-TALLA. Tha àireamh mhath de luchd-sgriobhaidh comasach, deas-chainnteach agaibh. Na ’m bheachdsa tha “Iain” agus “Sinclair” air thoiseach. Dlù air an sàil tha “C. C.” “Gall-Gháidheal,” “Cabar Feidh,” agus fear no dha eile nach eil an ainmean ’nam chuimhne. Tha Gilleasbuig-nan-Gilb na dheagh sgoilear Gàidhlig, agus b’ fhearr leam gu ’n gearradh e tuilleadh litirichean fhad ’s a bhitheadh na gilbean aige geur. Bha litir Aonghas bhig, goirid, teoma, snasail—dìreach mar a chreidinn air. Ma ’s i sud a’ cheud litir, ’s docha leam nach i an té ma dheireadh a gheibhear bhuaithe. An dòchas nach eil mo litir tuilleadh is fada, Is mi ur Seirbhiseach iriosail, D. D. Feb. 21, ’95. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95 D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 277] [Vol. 3. No. 35. p. 5] NAIDHEACHDAN. B’e Di-màirt a’ cheud latha dhe’n charghus. ’S ann air a 14mh latha de dh’ April a bhios Di-dòmhnaich na Càisge. Cha bhi, mar sin, “earrach fad air chùl Cáisge” againn am bliadhna, agus ma ’s fior an seanfhacal, cha mhisd na saibhlean e. Tha iad ag innse an dràsda gu bheil an rathad iaruinn eadar Port Hawkesbury us Louisburg gu dhol air obair air an earrach so. Bhatar a bruidhinn air an rathad so o chionn ùine mhath, agus tha mòran nach creid gu bheil e gu tighinn gus am faic iad e. B’ e oidhche na Sàbaid s’a chaidh an oidhche b’ fhuaire thàinig air a gheamhradh. Bha chuid eile dhe’n t-seachdain glé bhlàth. Tha ’n t-side a’ cumail car briagha, ach tha sneachda mor ann, agus tuilleadh a’ dol na cheann cha mhor a h-uile latha. Tha na ròidean glé dhona. Tha mu sheachd mile sluaigh, eadar bheag us mhòr, a faighinn déirce ann am baile St. John’s ’an Newfoundland. Tha ’m baile sin ann an suidheachadh bochd, ach tha dòchas mòr aca gu’m bi iasgach nan ròn glé mhath air an earrach, agus ma bhitheas, ni e cuideachadh math leis an dùthaich. Thugadh ionnsuidh air bristeadh a stìgh do thigh nan litrichean ann am Baddeck, oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Ghearr na robairean a’ ghlas as an dorus, agus bha iad a’ dol a stigh an uair a dh’ fhairich iad straighlich a shaoil iad a bha ’n ceann eile ’n taighe; chuir so an t-eagal orra ’s thug iad an casan leotha. O chionn sheachd bliadhn’ deug, bha duine ag obair air bòrd soithich ann am Baigh St. Lawrence, agus ’n uair a bha e ’ga fàgail, fhuair e, ann am mearachd. da dholair a bharrachd air na bha ’tigh’n air. Cha d’ thuirt e dad aig an àm, àch tha e cóltach nach robh a chogais uile gu léir réidh ris, oir chuir e air ais an da dholair o chionn ghoirid, agus dà dholair eile ’nan cois mar riabh. Chaidh gille beag le Uilleam Cann, aois thri bliadhna, a losgadh gu bàs aig a Mhéinn-a-Tuath, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh a mhàthair a mach dh’an tobar, agus ’nuair a thill i bha ’n gille aig an dorus ’sa chuid aodaich ’na theine. Thug i dheth an t-aodach cho luath ’sa b’ urrainn dh’i, ach bha ’m pàisde bochd air a losgadh cho dona ’s gu’n do chaochail e an la’ir-na-mhàireach. Chaill an soitheach-iasgaich “N. E. Symonds” dithis de criù eadar Newfoundland us Gloucester, air an 26mh latha de Ianuaraidh. Chaidh rudeigin cearr mu na siùil, agus chaidh an dithis so ’ga chur ceart, agus leis an stoirm a bh’ ann, chaidh an tilgeadh thairis ’s am bàthadh. Bhuineadh fear dhiubh, Niall Caimbeal, do Bhaoghasdal, agus am fear eile, Lachuinn Mac Fhionghain, (mac Ruairidh), do Mhalagawatch. Cha robh fear seach fear dhiubh pòsda. Dh’fhàg Mac Fhìonghain màthair, triùir bhràithean us dithis pheathraichean. Tha té dhe pheathraichean posda ann an Auckland, ’an New Zealand. Iadsan a Phaigh. Domhnull Moireastan. Ceap Nór. Gilleasbuig Mac Néill, Ceap Dauphin. I. W. A. Mac Neaoail, Oban. Ruairi Domhnullach, Brinn Mharmor. Bean D. T. Dhomhnullaich, Mabou. An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni. Bean Iain ’Ic Fhionghain, Salmon River. An t-Urr, C. Mac Coinnlch, Louisburg. A. I. Mac Gilleain, L’ Ardoise. Caipt. D. Mac Leòid, Baile-nan-Gail. Iain C. Mac Rath, Boulardarie. Raonull Domhnullach, Kempt Road. Stephen Domhnullach, Méinn Ghardiner. Iainn I. Mac Néill, Gleann Bharra 25c. Micheal Mac Nèill, Pón Mór. 25c Caipt. R. Domhnullach, Sidni Tuath, 60c. Anna Dhomhnullach, Glengarry, 60c. Alasdair Domhnullach, Thedford, Ont. $2.00 D. M. Caimbeal, Dunveagain, I. R. Mae Coinnich, Skye P. O. Aonghas Mac Fhionghain, Alasdair Mac Ille-Mhaoil, Laggan, N. A. Domhullach, Ripley, Callum Caimbeal, Kinross, E. P. I. A. D. Mac Leoid, Uilleam Ros, Flat River, Fionnladh Smith, Bail’-Ur. Iain Mac Calamain, Rudha Phrim Iain Caimbeal, Beinn ’Ic Mhannain, An t-Urr. A. MacG. Sinclair, Belfast, $5.00 A. D. Mac Leòid, Ch’town, Domhnull Domhnullach, Oneco, Conn. A. Mac Nèill, Orr, Dakota Tuath. Iain Ceanadach, Argyle, N. S. Iain Mac Gilleain, Gleann-a-Bhàird, N. S. POSAIDHEAN. Aig Sidni, air 26 latha de Feb., leis an Urr. I. F. Forbes, Domhnull Mathanach, us Peigi M. Mhoireastan. Aig a Chladach-a-Tuath, 19mh de Feb., leis an Urr. Iain Friseal, Iain Smith, us Catriona Nic Gilleain. Anns an àite cheudna, 12 de Feb. leis an Urr. Iain Friseal, Caipt. A. Caimbeal, us Màiri Anna Nic Leòid. Air a Chnoc Mhor, 12 de Feb, leis an Urr. A. I. Domhnullach, Domhnull I. Dunlap, us Caitriona Nic Neacail. BAIS. Aig an Amhuinn Mheadhonaich, air an treas latha deug de Dhesember, Eachann Moireastan, 67 bliadhna dh’ aois. Bha e ’na dhuine cùramach, measail. Bu mhac e do’n “Ghréidhear Ruadh” a bh’ aig Sir Fransis, Ghearrloich. Dh’ fhag e bantrach agus còignear mhac. Aig Orangedale, air 13 latha de Ianuaridh, Donnachadh Mac Coinnich, (Ruadh) 91 bliadhna dh’ aois. Dh’ fhàg e bean us teaghlach mòr. Aig an aite cheudna, air an 6mh latha de Feb., Bean Iain ’Ic Ille-mhaoil, 98 bliadhna dh’ aoìs. Aig Mabou, air 11mh latha de Fob., Cairistine, bean ghràdhach Iain Ic Gilleain, a Cove-nan-Ròn, Malagawatch. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 278] [Vol. 3. No. 35. p. 6] Na Baird Ghaidhealach bho 1725 gu 1815. Bha moran de bhaird, de bhana-bhaird, ’s de luchd-oran sa Ghaidhealtachd eadar 1725 agus 1815. ALASDAIR DOMHNULLACH. Rugadh Alasdair Domhnullach, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, mu’n bhliadhna 1700. Bha e na sgoilair math agus bha fìor chomasan bardachd aige. Chaidh e air obair mar bhard mu ’n bhliadhna 1725. Bhuail e am mach slighe dha fhein, agus thoisich e air sgriobhadh ’s air seinn mu bhoichid ’s mu ghloir oibribh nadair. Leum e a staigh air taobh a Phrionnsa le uile chridhe. Ghairm e a suas buadhan inntinn gu an lan neart am moladh aobhar nan Stiubhaitach agus a riuth a sios aobhar nan Deorsach. Chuir e am mach roinn de chuid oran sa bhliadhna 1751. Chaochail, ’s e ’s docha, eadar 1765 agus 1775. Bha moran de chumhachd aige air bardachd na Gaidhealtachd. Faodidh sinn a thoirt fanear gum bu mhac ministir Seumas Thomson, cosmhail ri Alasdair Domhnullach, gun do rugadh e sa bhliadhna 1700, agus gun do chuir e am mach a dhan air a gheamhradh sa bhliadhna 1725. Tha e mar so soilleir gun do rinn na Gaidheil ’s na Gaill aramach aig a cheart am an aghaidh na seann bhardachd. Chaochail Seumas Thomson sa bhliadhna 1748. AN T-AIREACH MUILEACH. Tha cuid de mhuinntir Chola ag radh gur h-e Iain Mac-Gilleain a b’ ainm do ’n Aireach Mhuileach, gur h-e Iain Mac Eoghain mhic Iain Ruaidh a theirteadh ris, agus gun robh e gle dhluth an cairdeas do theaghlach Chola. Phos Iain Garbh, an seachdamh Mac-Gilleain a bha air Cola, Fionnaghal, nighean do Shir Dughall Caimbal, tighearn Acha nam breac, le a mhnaoi, Mari Erskine, nighean Iarla Mharr. Bha tri mic aige, Eachann Ruadh, Iain Ruadh, agus Eoghan. Chaidh Eoghan a mharbhadh an Inbhircheitein. Bha Iain Ruadh a comhnuidh an Tota-Raonuill. Chaidh a leon gu guineach an Inbhircheitein. Bha e posda, is bha teaghlach aige. Bha mac diolain aige do ’m b’ ainm Eoghan. Faodaidh e a bhith gur h-e mac do dh-Eoghan so a bha san Aireach. Ma ’se bha fuil uasal gu leoir a ruith na chuislibh. Tha e gu math cinnteach gur h-e mac do dh-Iain Ruadh Thota-Raonuill a bha an Lachinn mac mhic Iain, am bard Colach. Rinneadh an t-oran “Tha mo run air ghille” le Ceit Mhunn am Muile. Cha robh gnothach aig Bean a Bharra ris. DUGHALL BUCHANAN. Rugadh Dughall Buchanan sa bhliadhna 1716. Bha e na sgoilair math is na dhuine fior fhiosrach. Chuir e am mach a laoidhean sa bhliadhna 1767. Chaochail e an 1768. Bha e posda, is bha da mhac is da nighinn aige. Cha mhor de na baird a ghabhadh coimeas ris a thaobh chomasan bardachd. SEUMAS MAC-AN-T-SAOIR, FEAR GHLINN-NODHA. B’e Donnachadh Mac-an-Saoir, Fear Ghlinn-Nodha, ceann-cinnidh Chloinn-an-t-Saoir. Phos e nighean do Phara Beag Caimbal, fear Bharra-challtuinn, agus bha aon mhac aige rithe, Domhnull. Chaochail e sa bhliadhna 1695. Bha Domhnull Ghlinn-Nodha posda da uair. Ris a cheud mhnaoi, Seonaid, nighean do Ghilleasbig na Ceapich, bha aon nighean aige. Ris an darna mnaoi, Ceit, nighean do dh-fhear Dhail-an-eas, bha triuir chloinne aige, Seumas, Ceit, agus Mari. Rugadh Seumas Mac-an-t-Saoir mu ’n bhliadhna 1727. Fhuair e ionnsachadh math. Phos e Anna, nighean Dhonnachidh Chaimbail, fear Bharra-challtuinn, agus bha naoidhnear chloinne aige, Domhnull, Martuinn, Donnachadh, Ceit, Anna, Iseabal, Mari, Liusaidh, agus Sine. Chaochail e sa bhliadhna 1799. Bha Domhnull, mac Sheumais Ghlinn-Nodhna, na dhotair. Thanig e do dh-America ’sa bhliadhna 1783. Bha ceithear mic aige, Seumas, Domhnull, Thomas, agus Martuinn. Chaochail e sa bhliadhna 1792. Thanig Seumas a mhac a staigh mar cheann-cinnidh Chloinn-an-t-Saoir sa bhliadhna 1799. Bha sia mic aige, Domhnull, Padrig, Seumas, Eoghan, Gilleasbig, agus Martuinn. Tha Eoghain am baile New York a creic chungaidhean leighis. Tha Gilleasbig na mharsanta ann an Albany. Chaochail Domhnull, am mac bu shine. ’Se Seumas mac Dhomhnuill is ceann-cinnidh an diugh air Cloinn-an-t-Saoir. Rinn Seumas Ghlinn-Nodha oran no dha air an Olla mac Iain. Chain e an Sasunnach gu math ’s gu ro-mhath. SEUMAS MAC-MHUIRICH. Rugadh Seumas Mac-Mhuirich am Baideanach sa bhliadhna 1738. Fhuair e ard ionnsachadh. Chuir e am mach dan do ’m b’ ainm, An Sealgair, sa bhliadhna 1756, agus dan do ’m b’ ainm an Gaidheal sa bhliadhna 1758. Chuir e am mach bardachd Oisein eadar 1760 agus 1763. Chuir e am mach eachdridh Bhreatuinn sa bhliadhna 1775. Chaochail e sa bhliadhna 1796. Chuireadh am mach bardachd Oisein an Gadhlig sa bhliadhna 1805. Tha tri beachdan am measg sluaigh mu ’n bhardachd a chuireadh am mach an ainm Oisein le Seumas Mac-Mhuirich. Tha cuid ag radh gur h-e Oisean a rinn na dain. Tha iad so a creidsinn gun dug Mac-Mhuirich iomadh atharrachadh asda agus guu do rinn e criomagan an sud ’s an so gus an tàthadh ri cheile. Tha cuid eile ag radh gur h-e Mac-Mhuirich e fhein a rinn na dain bho thoiseach gu deireadh, Tha an treas buidheann de na bheachd a leanas,—Rinn Oisean beagan de dhain gaisge. Chaidh an sgriobhadh a sios mu ’n bhliadhna 500. Bhatar gan seinn, gan aithris, ’s gan atharrachadh, a deanamh dhan urra ’s gun cur ris na sean danaibh. Mu ’n bhliadhna 1450 bha Albinn agus Eirinn lan de dhain gaisge. Faodidh e a bhith nach do rinn Oisean gin diu, ach bha chuid mhor diu air an ainmeachadh air. Fhuair Mac-Mhuirich grein air moran de na seann dain. Dh’ atharrich e iad air iomad doigh, agus thàth e iad ri cheile le piosan fada de obair fhein. Rinn e righ de dh’ Fhionn, agus chruthaich e rioghachd dha ann an Albinn. Chuinn e moran de dh-ainmeannan ura, mar tha Caomh-mhala, Binnbheul, Cridh-mor, Caolmhal, agus Gaol-nan-daoine. Tha moran de bhardachd mhath anns na dain a chuir Mac-mhuirich am mach. Faodidh sinn a bhi coma co a rinn iad. Buinidh gach cliu a tha ceangailte riutha do na Gaidheil. A. M. S. Bha teine mòr ann a’ Halifax Di-ciaduinn. Bha laimhrig mhòr agus tighg-leidhidh gràin air an losgadh, agus ceithir cheud tunna de bhathar a chaidh a chur air tir an latha roimhe sin. Mur biodh gu robh mullach nan taighean air an còmhdach le brat tiugh de shueachda, bha cuid mhor dhe’n bhaile air a losgadh. [TD 279] [Vol. 3. No. 35. p. 7] Crionntachd. Tha e gu tric a’ tacaairt gu ’m bi a’ cheud fichead punnd Sasunnach a chosnas oganach glic, an deigh gach ni a’ chur ’n a aite fein, chum mor bhuannachd dha air son a dheagh ghiulain an deigh laimh. Tha ’n t-suim sin, ged nach ’eil i ro mhor, a’ teagaisg curaim agus dichill dha a leanas ris uile laithean a bheatha. Tha e maran ni ’s fearr air a shon fein gu ’n cosnadh e le saothair a lamh am fichead punnd Sasunnach sin, na gu ’m faigheadh e mar thiodhlac iad o neach eile. Ma chosnas e an t-airgiod sin, tha fios aige air an dichioll a ghnathaich e ga chur r’ a cheile. Bha a’ chuid a’s mo dhiubhsan a ta saibhirn’ ar measg aon uair bochd, agus air doibh le ’n dichioll onaraich fein beagan a chur mu seach, tha meas ni ’s mo aca air. Bha iadsan a rugadh le spainibh airgid ’n am beul a ghnath buailteach air bliadhnaichean an oige a chur seachad ann an ruiteireachd agus diomhanas, agus mar is minic a chunnacas, cha d’ eirich iad suas gu bhi aon chuid ’n an cliu dhaibh fein, no ’n am buannachd idir do ’n t-saoghal mu ’n cuairt doibh. S. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile, ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Leighsidh Minard’s Liniment Déideah. Leighsidh Minard’s Liniment Crup. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 280] [Vol. 3. No. 35. p. 8] LAOIDH. Seas suas! seas suas, gu dìleas! O thus a lean an crann! Tog suas a’ bhratach rìoghail, Cha ’n fheud i dol air chall: O bhuaidh gu buaidh gu ’n téid sinn, Le ’r Slanuighfhear air ar ceann; ’S gach nàmhaid fòs gu ’n cìosnaich, ’S gu rìghich Iosa leinn. Seas suas! seas suas, gu dìleas! Is umhlachd thoir d’a éigh; Le dol a chum a’ chòmhraig ’Na latha glóirmhor féin: A ghaisgeach’ bithibh tréubhach, An aghaidh nàimhdean Chriosd; ’S ’ur misneach fòs gu’n éirich, Mur géill sibh anns an t-strì. Seas suas! seas suas, gu dìleas! An neart an Triath a mháin: An gàirdean feòlmhor géillidh; Na cuir do dhòchas ann. Cuir clogaid fós no slàint’ ort, Dean faire ’s ùrnuigh ’ghnàth, ’S do dhleasnais’, nuair a ghairmeas, Bi thusa deas aig làimh. Seas suas! seas suas, gu dìleas! Tha’ chòmhstrì teann is buan; An diugh tha gaoir a’ chòmhraig, ’Na dhéigh bidh òrain buaidh. ’S gu faigh am fear nach geill dhiubh Crùn beatha mar a dhuais; Is rìoghachd nach bidh truaillidh Le Dia ’s na néamhan shuas. Mar Chaidh an Cal a Dholaidh. Sid mar chaidh an càl a dholaidh, So mar chaidh an càl a dholaidh, Sid mar chaidh an cál a dholaidh Air na bodaich Ghallda. Latha dhuinn mu àm na buana, Cuideachd ghrinn de ghillean uallach, Cruinn mu bhòrd ag òl na cuaiche An tigh-òsd air Galldachd. Air dhuinn greis ’bhi gabhail óran, ’S tacan eil’ air sgeulan gòrach, Chuir Rob Cam a’ phiob an òrdugh, ’S thóisich cuid ri dannsadh. Stigh oirnn thàinig bean-an-taighe, Leis gach té a bha aig baile, Nighean òg us seana chailleach, ’S iad a togairt dannsadh. Rug Mac Raing air té bhig Chlannaich, Ghabh mi fhéin rium bean-an-taighe, ’S am prioba sùl bha té an achlais ’H-uile fear a bh’ ann dhinn. ’S ann an sin bha ’n obair shùnndach, ’Cur nan car chinn air an ùrlar Feadan pioba ’spreigeadh sùrd oirnn, ’S dosan mòr a’ dranndan. Mar bha ’n ùpraid ’dol an déinead, ’S caitean ’g éiridh air na déilein, Ràinig fear-an-taighe fhein, Le treud de bhodaich ghallda. Leith’d a dh’ othail sios an staidhir, Iadsan direach bhar an fhaidhir, ’Gairm gu crosda air na mnathan, ’S b’ uamhasach an greann riu. Air an claoidh le sgios no acras. Fad an latha gun dad aca, B’ olc an ni, air tighinn dhachaidh, ’N càl a bhi air chall orr’ Throd am fear ri mhnaoi gu sgraingeil, Fhreagair ise cheart cho searbh ris, “Bhodaich mhùgaich, cum do theanga, ’S caisg air ball do dhranndan. ’S beag orm thu a bhodaich ghràinnde Seach bhi cluich am measg nan Gàidheal Ceòl na pioba, fuaim na Gàilig, Sid iad riamh a b’ anns leam!” Sid mar chaidh an càl a dholaidh, So mar chaidh an càl a dholaidh, Laidh a mhin air màs a choire, ’S bean-an-taighe ’dannsadh. Leighsidh Minard’s Liniment Cràdh. Chaidh fear Niall Dùghallach, duine mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Truro, ’sa mhaduinn Di-luain. Cha’n fhaca duine ciamar a thachair. FAICIBH. Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh air MINARDS LINIMENT, agus a fhuair e deanamh feum dhaibh. C. C. RICHARS, Co. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR AON AIRGID. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 281] [Vol. 3. No. 36. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 9, 1895. No. 36. CUMHA. Do’n Urr. Mr. Alasdair McFhearchair. FONN—Och nan och tha sinn fo thùrs’, ’S tric na deòir a’ ruith o’r sùil; Chaidh ’ar ceannard ’chur fo’n ùir, Fear-àùll gu tir Imanuel. ’Nuair thàinig am pec’ do’n t-saogh’l Thruaill e freumh a chinne-daonn’; ’S dh’ fhàg sud buailteach sinn faraon Do bhròn, do dhaorsa, ’s an-shocair. Dh’ fhàg e buailteach sinn do’n bhàs; Bha e buadhach air gach àl, Righ nan uamhas e do’n phàirt Nach pill ’na thràth o’n aimideachd. Ach teachdair’ sith e do’n mheud ’Cheannaich Criosd ’sa lean a cheum, Ga ’n toirt dachaidh mar ris féin, ’S a chaoidh cha trèig a ghealladh iad. ’S teachdaire ’bheir buaidh an t-eug, Nach gabh truas ri neach fo’n ghréin. Thug e ’m buachaille uainn féin, ’S bu chruaidh le ’threud an dealachadh. Gach beag a’s mòr, sean a’s òg, Togaibh suas ’ur guth le bròn ’Caoidh a chall a thàinig òirnn, Ceann-iùil an t-slòigh, cha mhaireann e. Cuid de ’n bhuaidh bha ort ri d’ là:— Foighidinn, suairceas ’us gràdh, Irioslachd, stuamachd, na d’ phàirt, ’S na h-uile àite an rachadh thu. Bha thu òirdheirc a measg chiad An cliù, an còmhradh, ’s an gniomh, Solus, eólas glòir an Triath, Chuir maise ’s rian air thalamh ort. Measg gach àdh bha ort ri luaìdh Bha mais’ is àilleachd na d’ ghruaidh Sgoinneil tàbhachdach gun uail— Bha t-uile bhuadhan eireachdail. Maighstir Mac Fhearchair nam buadh, Fàth ’ar bròin gu bheil e uainn, ’S iomadh aon a bha fo ghruaim ’Nuair chual’ iad nach bu mhaireann e. Bha do thrusgan glan gach uair, An cùrsa t-eilthireachd air chuairt Cha d’ shleamhnuich do cheumaibh ’uat Oir chumadh suas gu seasmhach thu. Bha d’ iobairtean cùbhraidh ghnàth, Le cridhe brùit’ fo dhriùchd nan gràs, ’S deatach na tùise ’dol an àird, Gu ruige Pàras fhlathaneis. ’Dol troimh fhàsach bochd nan deòir, Bha uisge mhara searbh ri ól— Iomadh amhghair anns an fheòil Ach chumadh beò le manna e. Fhuair thu armachd dhearbt o’n Triath, Claidheamh, ceann-bheart, agus sgiath, ’S chleachd thu iad mar ghaisgeach riamh Fo bhrataich Chriosd gu deas-bheumach. Do ’n Eaglais Shaoir bu daor am beum Gu’n thuit an laoch nach b’ fhaoin ’san t-streup; Bu dileas saothrach thu làn eud An aobhar Dhé ’sa bheatha so. Ruith e’ réis le foighid mhòir, Chriochnaich e ’thuras ’san fheòil, Ghléidh e’n creideamh mar rinn Pòl ’S chaidh crùn’ an glòir a thasgadh dha. Tha e nis a measg an t-sluaigh, A ràinig néamh tre dheuchainn chruaidh, Thiormaicheadh gach deur o’ ghruaidh, ’S chaidh bròn us truaighe thairis air. E sgeadaicht’ ann an còmhdach grinn Air sràidh òir le clàrsaich bhinn, A’ seinn an óran feadh gach linn Do ’n Ti rinn righ us sagart deth. ’S ma leanas sinn cos-cheum an t-sluaigh A nigh an trusgan ’fuil an Uain, Coinnichidh sinn na sgaradh uainn, ’Sa chaoidh cha dual dhuinn dealachadh. Rinneadh an cumha so do’n Urr. Mr. Mac Fhearchair ministeir na h-Aimhne Meadhonaich, a chaochail mu ’n bhliadhna 1859, agus athair an Urr. Alasdair òig Mhic Fhearchair, ministeir cliùiteach Shidni a chaochail an 1862. Bha Mr. Mac F. na dhuine air an robh mor mheas ’na sgireachd féin agus anns an Eaglais uile. B’ esan a cheud mhissionari a chuir Eaglais na h-Alba gu Ceap Breatunn. Thàinig e mach mun bhliadhna 1835. Bha Ceap Breatunn aig an àm sin gun rathaidean mòra ni b’ fhearr na ceum coise ri taobh nan cladaichean agus “blaze” tre na coiltean farsuing. Anns a gheanhradh, bu tric le sneachda trom tuiteam agus gu minic cha robh dòigh suibhail ann ni b’ fhearr na brògan-sneachda nan Innseanach. Bha sluagh air ùr-thighinn do ’n dùthaich; bha iad sgapte o chéile, agus bochd nan chrannchar. A measg an t-sluaigh so shaothraich Mr. Mac Fhearchair le mor dhùrachd agus dhicheall fad àireamh bhliadhnaichean, na aonar, a fiosrachadh gach àite mar dh’ fhaodadh e, a thuilleadh air ’obair na sgireachd fharsuinn féin, a bha aig an am ud a gabhall a stigh Loch Ainslie, Baddeck agus Margaree, a thuille air an Amhuinn Mheadhonaich. Cha’n e mhàin gu’n robh e siubhal tre gach aite an Ceap Breatunn ach bha mar an ceudna gairm air gu dhol leis an deadh sgeul a dh’ ionnsuidh a luchd-dùthcha an aitean eile. Chaidh e air chuairt do Eilean a Phriunnsa a’n 1745. B’ esan a chum a cheud chomanachadh am a Strathalba, agus tha cuimhne fathast air a thurus do ’n àite sin aig an àm ud. Tha aon duine beò anns a choth-thional sin a shuidh aig bòrd an Tighearna a bha air a sgaoileadh an là ud air son a cheud uair an Strathalba—Iain Mac Leòid, (Iain Mac Iain Mhic Thorcaill) athair an Urr. A. B. McLeòid, Coldstream, N. S. Bu mhath leinn gum biodh an seann duine còir air a chaomhnadh beò gu Iubli a choth-thionail fhaicinn air an t-samhradh ’s a tighinn. Tha e mu tuimchioll 90 bliadhna dh’ aois. Rinneadh an cumha so do Mr. Mac F. le Iain Caimbeul fear de ’n choth-thional aige fhéin, agus athair C. C., ministir Strathalba P. E. I. Bha mor ghràdh aige d’ a mhinistir agus bha a bhàs air fhaireachadh gu goirt leis. Chaochail e fhéin a’n 1888. Tha sinn a creidsin gu’n choinnich iad, “’S a chaoidh cha dual dhaibh dealachadh.” Leighsidh Minard’s Liniment ri reic ’s gach àite. [TD 282] [Vol. 3. No. 36. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB V. Tha àireamh mhòr de shluagh an t-saoghail aig am bheil e mar chleachdadh a bhith ’càineadh agus a’ ruith sìos muinntir eile. Mar is trice cha ’n iad na daoine a’s miosa giulan agus a’s suaraiche ’nan cleachdadh is mò a gheibh de chàineadh idir. Gus an toir sinn fa near a’ chùis, saoilidh sinn gu bheil so glé iongantach, agus glé mhi-nàdurra. Ach le beachd ni ’s dlùithe a ghabhail air a’ chùis, tuigidh sinn nach ruig e leas ioghnadh sam bith a chur oirnn. Bidh a h-uile creutair a’ tighinn beò a réir a ghnè fhéin. Na daoine anns am bheil nàdur glan, uasal, measail, cha bhi e mar chleachdadh aca a bhith ri cùl-chàineadh, no ri togail tuaileis no droch-sgéil air neach sam bith, agus idir cha toir iad géill no creideas do chainnt na muinntir a tha suarach, mi-mheasail, an uair a chluinnneas iad iad a’ càineadh ’s a’ smàdadh dhaoine eile. Ach na daoine a tha gu nàdurra truaillidh ’nan cainnt agus ’nan gnìomh, is e bhith ’comharrachadh a mach gach uilc agus fàiling a th’ ann an daoine eile obair a’s tlachdmhoire leotha sam bith. Mar a dh’ fhaodar a chreidsinn, bha daoine dona, suarach ann am measg na tuatha aig Fear Cheann Locha, mar a bha ann am measg gach tuatha eile. Ged a bha bean an uachdarain cho còir, ciùin, tlachdmhor ri h-aon dhe seòrsa a gheibhteadh air feadh taobh a’ tuath na h-Alba, dh’ fheumadh iad so a bhith ’g a ruith sìos mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad. Cha b’ ann air son na bha iad a’ faicinn de chron innte a bha iad a’ faotainn coire dhi idir, ach a chionn nach robh i de ’n aon bheachd riutha fhéin. Bha iad an dùil nach robh anns an t-saoghal daoine do ’m b’ aithne ni sam bith a dheanamh ceart ach iad fhéin. Anns an àm ud cha robh daoine bochda na dùthcha a’ faotainn cuideachaidh o ’n sgìreachd mar a tha iad a nis. Ach air a shon sin bha na bochdan pailt cho math dheth ’s a tha iad an diugh. Faodar a ràdh co dhiu gu robh iad ni b’ uaisle nàdur agus mòran ni bu taingeile na tha na bochdan ’san àm so. Gun teagamh sam bith bha cuid dhiubh iomadh uair ann an éis. Ach bha tuath na dùthcha ni bu chuimhniche air cuideachadh a thoirt dhaibh na tha ’n tuath a tha ’n diugh beò. Cha robh bean an uachdarain ùine fhada pòsda an uair a thòisich i ri cuideachadh a dheanamh leis na bochdan. Mar bu trice ruigeadh i na taighean aca; agus ged nach robh na taighean aon chuid cho glan no cho comhfhurtail ’sa dh’ fhaodadh iad a bhith, rachadh i steach agus shuidheadh i greis a’ còmhradh riutha. Mu ’m falbhadh i bheireadh i misneach dhaibh; agus gun dàil sam bith chuireadh i biadh agus aodach do ’n ionnsuidh. Cha bu trice leatha airgiod a thoirt dhaibh; oir aig an àm ud cha chuireadh bochdan na dùthcha uibhir a dh’ fheum air airgiod ’s a tha iad a’ cur air ’nar latha-ne. Ach nan aideachadh iad fhein gur e airgiod a b’ fheumaile dhaibh na biadh is aodach gheibheadh iad e. Cha robh e mar chleachdadh aice a bhith ’g iarraidh orra ’dhol gu Taigh na Coille a dh’ iarraidh ni sam bith. B’ fhearr leatha gu mór ni sam bith a bhiodh a dh’ uireasbhuidh orra a chur thun an teine uca, na gu ’m biodh aig na coimhearsnaich ri ràdh gu robh iad a’ dol o thaigh gu taigh a dh’ iarraidh na déirce. Bha na bha i ’toirt seachad ann am biadh agus ann an aodach agus ann an airgiod eadar dà cheann na bliadhna a’ tighinn gu suim airgid nach saoil duine. Bha an àireamh bu mhò dhe na bha mar so a’ faotainn cuideachaidh uaipe anabarrach taingeil. Theireadh iad an làthair an t-saoghail, gu ’m b’ e latha an àigh dhaibhsan an latha air an d’ thàinig i ’nam measg. Ach mar is minic a thachair, bha àireamh nach bu bheag de ’n t-sluagh diùmbach dhi, a chionn nach robh iad fhein a’ faotainn cuideachaidh mar a bha an sluagh bochd a bha gun chuideachadh gun chùl-taic sam bith eile. Theireadh iad, “Ged nach ’eil sinne cho fìor bhochd ris an fheadhainn a tha ’faotainn cuideachaidh, tha sinn bochd gu leòr. Is math a dh’ fhaodadh bean an uachdarain beagan cuideachadh a thoirt dhuinn. Cha chuireadh e mòran air a h-ais i seach mar a tha i ged a bheireadh i dhuine a leithid ’s a tha i ’toirt do chàch.” Ged bu mhath leotha so cuideachaidh fhaotainn cha ’n aidicheadh iad ’s iad beò gu robh iad ’nan diolacha-déirce. Cha robh a’ toirt air an àireamh bu nhò dhuibh a bhith ’gearain air bean an uachdarain ach dìth na nàire, agus cion a’ mhothachaidh. Bha cuid dhuibh air nach robh èis sam bith. Is ainneamh neach air nach bi éis uair no uair eiginn, ach ged a bhiodh éis air neach aig iomadh àm, cha dean sin diol-déirce dheth. An uair a chluinneas cuid do ’n t-sluagh gu bheil airgiod no aodach no ni feumail sam bith eile ri bhith air a roinn air na bochdan, théid iad anns na gaoirean guil a dh’ innseadh cho bochd ’s a tha iad, agus mur faigh iad cuibhrionn de chuid nam bochd cha bhi iad idir toilichte. Thuig bean an uachdarain glè mhath nach robh e comasach dhi a h-uile neach air an robh éis a riarachadh agus a thoileachadh. Cha b’ ann gu bhith toileachadh dhaoine, no gu bhith ’cosnadh cliù agus urram dhi fhein a bha i a’ deanamh na bha i ’deanamh. Is ann a bha toil aice a bhith ’deanamh math mar a dh’ iarr Dia. Agus o’n a bha so mar so, bha i car coma co dhiubh a bhiodh am mòr-shluagh ’ga moladh gus nach bitheadh. Uair ’s a’ bhliadhna bhiodh i ’toirt cuirm do na bochdan ann an Taigh na Coille. Bhiodh gach bantrach bhochd ’s gach dilleachdan, gach seann duine agus seana bhean a b’ urrainn éirigh a leabaidh aig a’ chuirm so. Iadsan a bhiodh cho lag, lapach ’s nach robh e an comas dhaibh coiseachd do Thaigh na Coille, chuirteadh carbad g’ an iarraidh. A bharrachd air a’ chuirm, gheibheadh gach aon, beag is mòr, ball aodaich no dhà. Bha ’n t-aodach so air a dheanamh air an oighreachd, agus bha i fhein a’ pàigheadh na muinntir a bha ’g a dheanamh. Bha mnathan air an oighreachd a bha os cionn dèirce iarraidh no ’ghabhail, ged a bha iad bochd gu leòr ann an crannchur. Bha i ’toirt clòimh dhaibh so, agus bha cuid dhuibh a’ deanamh stocainnean, cuid eile a’ deanamh stuithean gorma, agus cuid eile a’ deanamh chlòidhnean agus phlangaidean. Bha gach aon a bha bochd a’ faotainn earrann de ’n aodach so a réir am feuma. Aig àm àraidh a h-uile bliadhna—mar bu trice, ré a’ gheamhraidh—bha mnathan agus nigheannan nan tuathanach mòra a’ coinneachadh oidhche ’san t-seachduin ann an Taigh na Coille, agus bha iad a’ deanamh léintean de gach seòrsa air son nan dìlleachdan laga, agus air son nam [TD 283] [Vol. 3. No. 36. p. 3] bochdan eile bu laige ’s bu bhreòite a bh’ air an òighreachd. Air an dòigh so bha na daoine bochda cho comhdaichte ’s gu saoileadh aon choigreach a thigeadh an rathad nach robh duine bochd air an oighreachd idir. Cha b’ ann do na daoine bochda a mhàin a rinn bean an uachdarain feum, ach mar an ceudna do na tuathanaich mhòra, agus do n teaghlaichean. Ged nach b’ urrainn neach sam bith a ràdh le ceartas agus le firinn gu robh na tuathanaich mhòra air dheireadh air an leithidean eile anns an dùthaich ann an caoimhneas ris na bochdan, gidheadh cha robh iad cho caoimhneil ’s bu chòir dhaibh a bhith. An uair a thug iad fa near an cùram a bh’ aig bean an uachdarain do na bochdan, agus a chunnaic iad an t-saothair agus an dragh a bha i a’ gabhail a chum nach biodh dìth bìdh no aodaich orra, is ann a bha car beag de nàire orra, a chionn cho beag ’s a bha de shùim aca fhein do na bochdan. Thuig iad glé mhath nach b’ ann idir a chum gu faigheadh i cliù is ainm math dhi fhein a bha bean an uachdarain ’g a cur fhein gus a leithid de dhragh ’s de shaothair. Dh’ atharraich bean Bhaile-Chnoic i fhein a barail air an dòigh anns am bu chòir dhi caoimhneas a nochdadh do na daoine bochda. Anns an àm anns an robh i toirt oirre fhein a chreidsinn gu robh an t-uachdaran gu té dhe na nigheannan aice a phósadh, bha i ’nochdadh barrachd caoimhneis do no daoine bochda na bha té eile dhe seòrsa anns an dùthaich. Cha b’ ann uile gu léir a chionn gu robh fìor thoil aice math a dheanamh do na daoine bochda, ach air ghaol ainm math a chosnadh dhi fhsin. Bha i ’smaointean gu’n tugadh an caoimhneas a bha i ’nochdadh do na h-uile a bha ann an inbhe ni b’ isle na i fhein air an uachdaran barrachd meas a bhith aige oirre fhein agus air a teaghlach. An uair a chunnaic i nach robh coltas sam bith gu’n deanadh so feum dhi, dh’ fhás i car caoin-shuarach mu na bochdan. Ach an uair a fhuair i fhein agus a cuid nigheannan cuireadh o bhean an uachdarain, mar a fhuair mnathan uaisle eile na dùthchadh gus a dhol uair ’san t-seachduin do Thaigh na Coille a dh’ fhighe agus a dh’ fhuaghal aodaichean gus an sluagh bochd a chòmhdachadh, ghabh i an cuireadh gu toileach. Am measg gach còmhraidh a bhiodh eadar na mnathan uaisle so an àm dhaibh a bhith ’fighe ’s a’ fuaghal, bhiodh iad a’ labhairt mu shuidheachadh nan daoie bochda. Air feasgar araidh bha ’n còmhradh a leanas eatorra, agus labhair bean an uachdarain mar so:— “Is e ar dleasdanas gu léir gach ni ’nar comas a dheanamh a chum gach cuideachadh agus comhfhurtachd a thoirt do na daoine bochda air nach do bhuilich an Cruithfhear saoibhreas. Tha mi fhein a’ làn-chreidsinn gu bheil an àireamh a’s mò de ’n t-sluagh aig am bheil feum air cuideachadh anns a’ chuid so de’n dùthaich, agus ann an iomadh àite eile, anns a’ cheart shuidheachadh anns an d’ orduich am Fearr-iaghlaidh dhaibh a bhith. Gun teagamh sam bith tha iomadh aon ann a dh’ fhaodadh a bhith ann an suidheachadh a’s fhearr nan suidheachadh anns am bheil iad, nan robh iad an àm an oige ni bu dìchiollaiche aig an obair na bha iad. An uair a tha daoine og, luath, làidir, tha iad gu math tric a’ dìchuimhneachadh gu faod trioblaid is tinneas agus iomadh éis tighinn nan rathad. Ach ma thachair dhaibh so iomadh éis agus trioblaid a thoirt orra fhein le goraiche agus le cion toirt fa near, cha choir do neach sam bith air an do bhuilich am Fear-riaghlaidh barrachd gliocais agus tuigse, agus aig am bheil cuibhrionn de mhaoin an t-saoghail so, cùl a chur riutha an uair a tha iad ann an éis agus ann an trioblaid. Thigeadh dhuinne uile a bhith ro thaingeil gu bheil sinn uile comasach air cuideachadh a thabhairt do chuid aig am bheil feum air cuideachadh. Feumaidh mi fhein aideachadh gu saor nach robh mi riamh cho tàingeil ’s bu choir dhomh; ach riamh o ’n a thoisich mi ri taghal ann an taighean nan daoine bochda tha mi sìor fhàs ni ’s tàingeile na bha mi roimhe.” “Tha ’n fhìrinn anns gach facal a thubhairt sibh,” arsa bean Bhaile-an-àth, ’s i ’freagairt: “Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, cha ’n fhidir an séathach an seang. Fhad ’s nach robh mi fhein a’ toirt fa near mar a bha cuid de’n t-sluagh a’ tighinn beò, cha robh mi leith cho measail air na sochairean a tha mi ’sealbhachadh ’s a tha mi nis. Tha mi ’gabhail beachd o chionn ghoirid gu bheil cuid de ’n t-sluagh cho bochd ’s is aithne dhomh mòran ni ’s taingeile na iomadh a h-aon aig am bheil pailteas de nithean matha an t-saoghail so. Tha eagal orm gu bheil sinn uile a’ cur barrachd earbsa na bu chòir dhuinn anns na nithean a chi an t-sùil agus a laimhsichsicheas an lámh. Nach ann a thuirt bantrach bhochd rium an latha roimhe, gu ’n deachaidh i fhein agus a dithis phàisdean laga a laidhe an oidhche roimhe sin gun ghreim a ghabhail ach na ghabh iad ’s a’ mhaduinn. Cha robh fhios aice, bha i ag ràdh, c’ àite am faigheadh i greim a chuireadh bhar na ciallaidh a’ chlann an uair a dh’ eireadh iad. Chuir a’ bhean bhochd so i fhein agus a dithis phàisdean air chùram an Athar néamhaidh, agus chaidil iad gu trom gus an d’ thàinig a’ mhaduinn. Cha chuala mise gu robh a’ bhean bhochd anns an t-suidheachadh thruagh so, ach bhuail e anns an inntinn agam gu ’m bu chòir dhomh beagan bìdh a chur d’ a h-ionnsuidh. Cho luath ’s a fhuair mi deas dh’ fhalbh mi fhein leis. Ged a bha greis de ’n latha air a dhol seachad, cha robh a’ bhean bhochd ach air an teine a thogail. An uair a thuig i gu robh ioghnadh orm a chionn i bhi cho fada gun éirigh, thuirt gun d’ fhan i anns an leabaidh còmhladh ris a’ chloinn cho fada ’s a b’ urrainn i, feuch an cuireadh Dia ann an cridhe neach eiginn gréim de ’n bhiadh a chur uca. Sheall i orm ’san aodann an uair a thug mi dhi am biadh, agus thuirt i, ‘Taing do Dhia air a shon so, agus taing dhuibhse. Ach is e Dia a chuir ’nar cridhe tighinn an so an diugh a dheanamh cobhair ormsa agus air mo phàisdean laga.’ Na dhéigh sin dh’ innis i dhomh na dh’ ainmich mi mar tha, agus tuilleadh dhe ’h-eachdraidh; ach gheall mi dhi nach tugainn iomradh air ri neach sam bith. An àite a bhith ’g innseadh cho bochd ’s a tha i ’s ann a tha i ’ga chleith. Tha mì nis suidhichte gu ’n dean mi gach ni ’nam chomas chum creutairean truagha de ’n t-seòrsa so a chuideachadh.” Rinn na chuala iad mu ’n bhantraich bhochd so drùbhadh mòr air gach aon de na mnathan uaisle. Mu ’n do dhealaich iad air an fheasgar ud shuidhich iad gu ’n coinneachadh iad air an ath sheachduin, a chum an comhairle a chur ri ’chéile, feuch ciod an dòigh anns am b’ fhearr a rachadh aca air cuideachadh le gach neach a bha bochd air an oighreachd. (Ri leantuinn.) [TD 284] [Vol. 3. No. 36. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MART 9, 1895 Tha sinn duilich gu bheil againn ri àireamh de dheagh sgrsobhaidhean a chumail air ais o chionn dha no tri sheachduinean le cion rùm. Faodaidh sinn aon no dha dhiubh ainmeachadh, mar tha òraid an Lighich’ ’Ic Gill-Iosa, á Lunnuinn, a chuir ar deagh charaid “Cabar-Féidh” ugainn, agus “Bàird an latha ’n diugh” le “Cona,” a tha làn airidh air a bhi air a mheas mar aon de na bàird e-fhéin. Tha àireamh eile againn air laimh, nach ruig sinn a leas ainmeachadh, ach tuigidh iadsan a sgriobh iad nach ann a’ deanamh tàir’ orra tha sinn idir. Tha romhainn an cur an clò a cheart cho luath ’s is urrainn dhuinn. Sloinntireachd Tha muinntir an la an diugh ni’s gleusda ann am mòran de ghnothaichean na bha ’n athraichean, ach cha’n eil iad idir, tha mi duilich a ràitinn, am faisg cho dàimheil. Is gann a choinnicheas sinn ri neach an diugh aig am bheil cùram sam bith mu thimchioll a chàirdean an taobh a mach de bhuill a theaghlaich fhéin. Agus is iongatach agus bochd e ri innseadh gu bheil na Gàidheil air fàs coltach ris na Goill anns a’ cheum so. Tha sinn ann an cunnart gu’n caill sinn ar dùchasachd (patriotism) gu léir mur amhairc sinn romhainn. Tha e ’na ni iongatach r’a innseadh gu’n coinnich neach an diugh ris an tuilleadh de dhuinealas ann a bhi a’ cumail ri doigh nan aithrichean ann an Canada na ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Tha annan cuid de chearnaibh de Chanada, muinntir a chaidh a bhreith us àrach air an taobh so dhe’n chuan, agus chuireadh iad nàire air an càirdean air Alba air son gloine an Gáilig, an cùram mu chumail suas beul-aithris agus gnath-fhacail an sinnsireachd, agus air son mar tha iad a’ taisbeanadh na’n déiligeadh ri aon a chéile, gu bheil a’ ruith na’n cuislean an fhuil bhlàth a rinn Gàidhealtachd na h-Alba, ’sna linnibh a dh’ fhalbh, ainmeil air son a caoimhneis agus a cathrannais. Bha mi gu mòr air mo ghoriteachadh air mo thurus do’n Ghaidhealtachd o chionn da bhliadhna, a bhi ’coinneachadh ris an spiorad spiocach, a tha gu mòr a’ tàrmachadh ann am broilleach nan Gall, a’ riaghladh ann an cuid de chearnaibh ’sa Ghàidhealtachd. Ma tha neach air son coinneachadh ri fior Ghàidheil an diugh, feumaidh e amharc air an son ’sna tirean céin. Tha ann an Canada an diugh, Gaidheil a chaidh a bhreith us àrach ’san dùthaich so aig am beil an tuilleadh eòlais air an sinnsirean agus air an cleachdaidhean na gheibhear ’sa Ghàidhealtachd féin. Air an la roimhe, thaghail orm, ur caraid, agus fior Ghàidheal, Aonghas Mac Ille-mhaoil, a tha ’còmhnuidh ’sa Lagan, ’an Canada Uachdrach, agus thug e dhomh fios air a shinnsireacdh mar a leanas:—“Is mise Aonghas Mac Dhomhnuill Mhic Eòghainn Mhic ’Illeasbuig Mhic Dhomhnuill Mhic Iain Mhic Eoghainn Mhic Dhomhnuill Mhic Eoghainn Mhic Iain.” Chunnt e mar sin a dh’ ionnsaidh an deicheamh glùn. Tha ogha aig an fhior Ghàidheal so ann am baile mòr Winnipeg, do’n ainm Aonghas. Tha mar so da ghlùn deug de ’dhaoine air sgeul aig Mr. Mac Ille-mhaoil. C’àit am faigh sinn Gàidheal is urrainn a shinnsirean a shloinneadh a mach cho fada sin? Bu mhath leinn cluinntinn mu ’thimchioll. R. MAC L. Dunbheagain, Ont. Tha na Turcaich a’ deanamh droch dhiol air na Criosduidhean ann an Armenia. Tha iad, mar gu’m b’ eadh, air cur rompa gu’n cuir iad as dhaibh gu buileach. Tha iad ’g am priosanachadh ’s ’g an cur gu bàs air gach cionta ’s lugha na chéile, agus air uairean gun chiont’ idir. Tha ’n t-àm aig rioghachdan eile cùram a ghabhail dhe na daoine truagha, neo cha’n fhada gus rm bi iad air an sgiros á bith. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEAN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 285] [Vol. 3. No. 36. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha na mèinnean-guail air tòiseachadh ri obair, a bancadh a ghuail air choinneamh an earraich. Ni so an t-airgead beagan na’s pailte, agus timeannan na’s fhearr na tha iad an dràsda. Cha’n eil muinntir a bhaile so ’dol a ghabhail airgid an iasad am bliadhna idir. Bha coinneamh aca air an t-seachdain s’a chaidh, agus dhiùlt iad a muigh ’sa mach gnothuch a bhi aca ri airgiod iasaid. Air a mhios so théid uair us seachd mionaidean deuga ri fad an latha. Air an ficheadaibh latha dhe’n mhios bi’dh an latha ’s an oidhche ’san aon fhad, da uair dheug. Tha Greenway, Priomhair Mhanitoba, anabarrach tinn. Air an t-seachdain s’a chaidh, bha e cho iosal ’s gu robh e an teagamh an tigeadh no nach tigeadh e uaithe. Tha ri fhaicinn ann an Tigh-òsda Shidni an dràsda, iolaire a chaidh a mharbhadh aig a Phòn Mhòr le Isac Mac Isaic, Di-haoine s’a chaidh. Tha ochd troidhean eadar bàrr an da sgéith aice. Chaidh fear Seumas Forest, anns a’ Mhéinn a Tuath, a bhualadh le paireileis Di-sathairne s’a chaidh, agus cha d’ thàinig facal bruidhne uige fhathast. Tha ’n darra taobh dheth gun lùths. Bha teine mor eile ann an Toronto Di-dòmhnaich s’a chaidh, agus bha faisg air fiach muiliein dolair air a losgadh. B’ e so an treas taine a bh’ aca ’sa bhaile sin bho thoiseach a’ gheamhraidh. Tha na ròidean air feadh na dùthcha glé dhona fhathast, ach thug an aiteamh a bh’ ann toiseach na seachdain so agus an reothadh na deigh, isleachadh math as an t-sneachda, agus tha e gu math na’s fhusa do dhaoine gluasad bho na taighein na bha e o chionn seachdain. Chaochail seann duine còir do’m b’ ainm Aonghas Gillios, ann an Gleann-nan-Sgiathanach, Di-sathairne s’a chaidh. Cha robh ach còig-la-deug eadar e ’sa bhith ceud bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Rugadh e anns an Eilean Sgiathanach air La-Fhir-Padruig ’sa bhliadhna 1787. An uair a bha e fhathast ’na dhuìn’ òg, thàinig e air imrich a Cheap Breatunn, agus àireamh bhliadhngchan an deigh sìn chaidh e dh’ fhuireach a Chanada Uachdrach. Thàinig e air ais ’na shean aois agus chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh a measg a chàirdean ’sa luchd-eòlais. Bha e ’na dhuine slàn riamh; cha robh tinneas sam bith a’ cur dragh air gus o chionn glé ghoirid, agus gus o chionn bliadhna no dha bha ’chuimhne ’s ’aithne cho math ’sa bha iad a’n làithean òige. Bha teaghlach mòr aige; tha mac dha, Callum Mòr, a fuireach aig a’ Mhèinn Iaruinn, faisg air Hogamah, agus nighean dha, Siùsaidh, pósda aig Seumas Gillios, ann an Gleann-nan-Sgiathanach. Ma’s math ar beachd, tha chuid eile dhe ’theaghlach ann an Canada Uachdrach. Chaidh fear Iain Mac Leòid a mhunntir Eilean a’ Phriannsa a mharbhadh ann am méinn aig baile Bhute, am Montana, o chionn ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh dh’n eilean air an t-seachdain s’a chaidh gu bhi air adhlacadh. Bidh dubhar (eclipse) air a’ ghealaich an ath-oidhch’. Tòisichidh dubhar mu naoi uai-ean ’san oidhche agus bidh e thairis an deigh aon-uair-deug. Bidh a’ ghealach dubh dorcha mu dheich uairean. Ma bhios an oidhche briagha, ghelbhear deagh shealladh air ann an so. Chaidh bristeadh a stigh do’n stòr aig Mr. Pope (feoladair) aon oidhche o chionn ghoirid, agus ghoideadh deich dolair de dh’ airgiod. Tha e coltach gu robh farbhas air chor-eigin air a chur air a mheirleach mu ’n d’ fhuair e deas, oir dh’ fhág e barrachd ’sa thug e leis. ’Se ’n dòigh air an d’ fhuair e stigh, tholl e suas troimh ’n ùrlar. Tha ’n t-Urr. D. Drummond, ministear an Eilean Mhòir, maille ri mhnaoi ’s ri nighinn, a’ dol a thoirt cuairt do na Stàitean air a mhios s’a tighinn. Tha dùil aige taghall ann am baile New York, agus ma bhios e ’na chomas, bheir e searmon ’nan cainnt féin do na Gàidheil air a cheathramh latha deug. Tha sinn an dòchas gu’n cuir e fhéin us Gàidheil a bhaile mhòir sin deagh eòlas air a chéile. Tha fios a fhuair sinn á Columbia Bhreatunnach ag innse gu’n deachaidh duin’ òg a mhuinntir Cheap Breatunn, do’m b’ ainm Seumas Gillios a mharbhadh ann am beanntan Slucan air an darra latha dhe ’n mhios a dh’fhalbh. Chaidh a ghiùlan air falbh le ruith-shneachda (snow-slide), mu leth mhile dh’ astar, agus an ceann leth-uair a thim, fhuaireadh a chorp. Cha robh làrach sam bith air ach aon ghearradh beag air cùl a chinn. Bha e air adhlacadh leis na “h-Oddfellows” ann an Nelson. Bha e aona bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. D fhàg e an dùthaich so mu dhusan bliadhn’ air ais. Tha a phàrantan a’ fuireach ann an Gleann-nan-Sgiathanach, agus tha sgeul a bhàis na bhuille ghoirt dhaibh. Chaidh duin’ òg eile, Iain Mac Fhionghain (mac Phàdruig) a New Canada, a thoirt air falbh leis an t-sneachda còmhla ris, ach fhuair esan as le ’bheatha, ged a chaidh a dhroch leònadh, agus bi’dh e ’n ùine ghoirid cho math ’sa bha e roimhe. BAIS. Aig Rudha ’n Rothaich, St. Ann’s, an 3 la dhe’n Mhàrt, Bean Aonghais ’Ic Asguill. Aig Ceap Dauphin, an 4mh la dhe’n Mhàrt, Bean Thormaid Dhomhnullaich, 35 bliadhna dh’aois. Aig Sidni, air au 2 la dhe’n Mhárt, Ruairidh A. Domhnullach, 26 bliadhna dh’ aois. Aig Sidni Tuath, air a 5mh la dhe ’n Mhàrt, Mairearad, bean Choinnich ’Ic Fhearghaìs, ’s an Eilean Mhòr, 53 bliadhna dh’ aois. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 286] [Vol. 3. No. 36. p. 6] Na Baird Ghaidhealach bho 1725 gu 1815. MICHEIL MOR DOMHNULLACH. Rugadh Micheil Mor Domhnullach ann an Uibhist mu’n bhliadhna 1745. Thanig e do dh-Eilein a Phrionnsa sa bhliadhna 1772. Phos e Anna Nic-Eachairn, piuthar do’n Easbig Mac-Eachairn. Chuir e seachad geamhradh leis fhein ann an Siudig an Cape Breatunn. Chaochail e an Eilein a Phrionnsa sa bhliadhna 1815. Bha duil agam aon uair gun gabhadh fear no dha de na h-orain aige faighinn, ach tha eagal orm nach faigh. A reir coltais tha iad air chall. RUARI MAC-COINNICH. Chaochail Alasdair Mac-Coinnich, tighearna na Cuile, sa bhliadhna 1650. Dh’ fhag e triuir mhac, Ruari sa chomraich, Coinneach sa Chuil, agus Eachann an Asaint. Bha mac aig Ruari do ’m b’ ainm Iain, “Iain Mollach.” Bha tri mic aig Iain Mollach, Alasdair, Ruari, Coinneach, is Iain Og. Ruith sliochd Alasdair am mach. Bha ogha no iar-ogha aig Ruari do ’m b’ ainm Ruari. B’ e ’n Ruari so ceann-taighe teaghlach na Comraich. Bha e na dheagh bhard. Tha e air a radh gun danig e do Nova Scotia no dh-Eilein a Phrionnsa mu ’n bhliadhna 1804. Bha brathair aige ris an abairteadh Calum Ruadh. Chaochail Calum Ruadh an Kishorn mu’n bhliadhna 1820. Rinn Ruari Mac-Coinnich oran mu thighinn do dh-America. Bho nach h-fheil e ach goirid bheir mi seachad e.— Thoir an nall dhuinn am bòtul, Cuir an deoch so mu ’n cuairt; Tha m’ inntinn gle dheonach ’Dhol a sheoladh thar chuan, ’Dhol a dh-ionnsaidh an aite Gus ’n do bharc am mor shluagh, ’Dhol gu Eilein Naomh Mari, ’S cha bhi mal ga thoirt bhuainn. Ach, Aonghuis Mhic-Amhla, Tha mi ’n geall ort ro mhor, Bhon a sgriobh thu na briathran Is an gniomh le do mheoir, Gun cuir thu gar n-ionnsidh Long Ghallda nan seol, Is ruith-chuip air a claribh,— Thar nam barc-thonn le treoir, So a bhliadhna ’tha saricht’ ’Dh-fhear gun aiteach, gun sunnd, ’Nuair ’theid cach ’sa mhios Mharta Ris an aiteach le surd. Tha luchd-riaghlidh an aite ’Nis gar n-aicheadh gu dluth: ’S gur h-e ’n stiuir ’thoirt an iar dhi Ni a’s ciatiche dhuinn. Ma ’s e reitheachan chaorach ’N aite dhaoine ’bhios ann, Gum bi Albinn an trath sin ’S i na fasich do ’n Fhraing; ’Nuair thig Bonipart’ straiceil Le laimh laidir an nall, Bidh na ciobairean truagh dheth, Is cha chruaidh leinn an call. ’S e mo ghuidhe ma sheolas sinn Gun deonichear dhuinn Gum bi ’n ti uile-ghrasmhor ’Dh-oidhch’ ’sa la air ar stìuir, Gu ar gleidheadh ’s ar tearnadh Bho gach gabhadh is cuis, ’S gu ar tabhirt lan shabhailt Do thir aghmhoir na muirn. Bidh am bradan air linne, ’S cha bhi cion air na feidh; Bidh gach eun air na crannibh Ann am barribh nan geug; Bidh an cruinneachd a fas dhuinn. ’S bidh an t-al aig an spreidh; Ma bhios aginn ar slainte Cha bhi cas oirnn no eis. AN T-OLLAMH MAC-A-GHOBHA. Rugadh Iain Mac-a-Ghobha an Gleann-Urchaidh sa bhliadhna 1747. Rinneadh ministir dhath sa bhliadhna 1775. Bha e na dhuine ionnsichte fiosrach, comasach. Bha e na dheagh bhard, agus na sgriobhadair Galig ro mhath. Chuir e am mach leabhar ris an abrar “Sean Dana” Sa bhliadhna 1787. Chaochail e sa bhiliadhna 1807. Tha na seann dain a chuir e am mach faisg air cho math ri dain Mhic-Mhuirich. Tha fear no dha dhiu na ’s fhearr. Tha Galig annta uile cho math is a gheibhear. Tha mi a toirt seachad nan sreathan a leanas gu a leigeil fhaicinn cho comasach agus a tha a bhardachd a tha an leabhar an Ollaimh Mhic-a-Ghobha:— Bha Fionn agus a naimhdean mu choinnimh a cheile. Gharim Fionn air Fearghus, a mhac, agus chuir e air ceann an t-sluaigh e gu dhol a sios do’n bhlar. Labhair e ris ann sna briathribh a leanas:— Cait a bheil an og ìolir fhuaimneach ’Bu tartrach sgiath am feachd a chruadail’. Cha b’ fhothnan le ’n do sgaoil thu ’m blar, ’S cha bu lorg leinibh do shleagh ad laimh. Chi mi orra colg a chatha; ’S leats’ an diugh, a mhic an latha. Lub an t-uaibhreach ’s na buail am fann, ’S am fuil a mhiodhair na truaill do lann. Mur tuit na trein cha n-eirich do chliu, S taibhsean nan speur gu d’ chuirm cha dig dluth. Caomhinn an lag, ach an aghidh an laidir Bitheadh mar dhoire ri theine do ghairdein. Mar ghaoith gu seideadh na caoire Bidh ghnth s’ air an raon so lamh riut. A. M. S. Litir a Braigh Amhuinn a Deas Antigonish. ’Se chuid de ’n Amhuinn a Deas a tha eadar muillean an Fhrisealaich us Bonn an Loch ris an canar am Bràigh. Tha e mu cheithir mile air fad. Tha an t-uisge ’ruith direach gu tuath. Tha mu fhichead baile ann air gach taobh de ’n amhuinn, agus pairt diu air a bheil dá theaghlach a’ cómhnuidh. Agus so agaibh an sloinneadh:—Clann Domhnuill, Clann Chamarain, Clann ’ic Ille-Mhaoill, Clann Ghriogair, Clann Mhuirich, Clann Neill, Clann Uaraig, Clann Phi agus Cuimeinich. Faodaidh neach a thuigsinn gur a Gàidheil iad, agus tha mi fiosrach gur h-i ’Ghàidhlig a tha iad a’ labhairt ’nan taighean. Tha iad uile glé mhath air an doigh, ach, mo sgeul duilich, cha ’n eil ach triùir ’na measg a tha gabhail a MHAC-TALLA. Tha eagal arm nach eil iad cho dileas ’s bu chòir dhoibh a bhi da ’n chànain bheartach a bha aig na daoine gasda ’thàinig á tir nam beann ’s nan gleannaibh. Ach tha cuid diu, ’s “Leughadh iad e ’n iasad, Spiocairean nach can mi.” AN TUATHANACH GLAS. Leighseadh mise o chuing le MINARD’S LINIMENT. I. M. CAIMBEAL. Bay of Islands. Leighseadh mise o at air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. U. DANIELS. Springhill, N.S. Leighseadh mìse o Loinidh le MINARD’S LINIMENT. DEORSA TINGLEY. Albut, N. B. An la roimhe seo, bha mi ’leughadh òrain Ghàidhlig Eireannaich, anns an robh na focail seo. “G am ghluaiseadh am’ dh’ aindheoin, o aite g’a cheile.” Agus bha iad air am mineachadh mar seo.—Cha’n ’eil seadh nam focal “o aite g’a cheile” agus brigh nam focal “O aite,” co-ionnan. ’Nuair a dh’ atharruichear neach “O aite gu aite” dh’ fhaodadh e bhi, gum beil an dara h-aite ni ’s fearr, dh’ fhaodadh nach ’eile cho math, ris an ait ’eile. Ach nuair a thèid neach a charuchadh, “o aite g’a cheile,” tha sin a’ ciallachadh gum beil urram agus tuarasdail an aite do ’n deach e, co-ionnan ri inbhe agus buannachd an aite a chaidh fhàgail. GALL-GHAIDHEAL. [TD 287] [Vol. 3. No. 36. p. 7] Laoidh Oisein do’n Ghrein. O thusa fein a shiubhlas shuas, Tha cruinn mar lan sgiath chruaidh nan triath Cia as a ta do dhearrs’ gun ghruaim, Do sholus a ta buan a Ghrian? Thig thusa mach ’nad àille threin, Is faluichidh na reul an triall, Theid ghealach sios gun tuar o’n speur, ’Ga cleatha fein, fo stuaidh ’san iar. Tha thus’ ’ad astar dol a mhàin, Is co dha’n dàna bhi ’ad chòir? Feuch, tuitidh darag o’n chruaich aird, Is tuitidh càrn fo aois is scòrr, Is traighidh agus lionaidh ’n cuan, Is caillear shuas an ré ’san spéur, Tha thus’ ad aón a chaoidh fo bhuaidh An aoibhneas bhuan do sholuis fein! Nuair dhubhas dorch m’an domhain stoirm, Le torrunn bòrb is dealan beur Seallaidh tu nad àill’ o’n toirm, ’S fiamh gàire ’m bruaillean mòr nan spéur. Ach dhomhsa tha do sholus faoin ’S nach fhaic mo shnil a chaoidh do ghuis, A sgaoileadh cùl a’s orbhui’ ciabh Air aghaidh nial ’s a mhadainn ùr. A sgaoileadh cùl a’s orbhui’ ciabh Air aghaidh liath nan nial ’s an ear No uair a chritheas tu ’s an iar Aig do dhorsaibh ciar air lear. Ma dh’ fheudte gu bheil thu ’s mi fein ’An am gu treun ’s gun fheum ’an am, Ar bliadhnaibh tearnadh sios o’n speur La chéile siubhal chum an ceann. Biodh aoibhneas ortsa fein, a Ghrian, A thriath ’ad òige neartmhor ta! Oir ’s dorch’ mi-thaitneach tha an aois Mar sholus faoin an ré gun chàil, Bho neoil a sealltuinn air an raon, ’S an liath-cheo faoin air thaobh nan cárn, An osag fhuar o thuath air réth, Fear siubhail dol fo bheud ’se mall. Leighsidh Minard’s Liniment Lòsgadh. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidk iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 288] [Vol. 3. No. 36. p. 8] Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH:—Choinnich Domhnull Mac-Ille-mhaoil, fear de na chomhairlichichean (councillor) againn mi an là roimhe, agus ghlaodh e rium le guth àrd, “Mo bheannachd ort! Cum suas a’ Ghàilig.” Bha e ’n deigh mo litir a leughadh, ’se air a rathad dhachaidh as an oifig, ’s MAC-TALLA aige air a thasgadh gu cùramach ’na phòcaid. Thug sin misneach dhomh gu litir eile ’sgriobhadh thugad. Cha’n eil moran de sgeul ùr sam bith agam dhuit an dràsda. Tha e air a ràdh gur math an naigheachd a bhi gun naigheachd idir. Coma cò dhiù, cha chòrdadh e ri leughadairean nam paipearan a bhi ’gam faotainn gun naigheachd ùr sam bith a bhi annta. Cha’n urrainn neach sam bith sin a ràdh mu d’ phaipear maiseach, grinnsa, oir tha e làn de nithibh nuadh agus taitneach na h-uile seachdain, a cur aoibhneis ann an cridheachan nan Gàidheal anns gach àite ’n tèid e. Tha dùil againn gu ’m bi taghadh againn anns a chearna so de ’n dùthaich, air son na Pàrlamaid Aird, an ùine gun bhi fada. Tha bhuidheann ùr sin ris an abrar na Patrons a’ ruith duine do’n ainm Uilleam Allain, an aghaidh Dotair Landerkin, ann an Siorramachd Ghrey. Tha ’n dotair a stigh o chionn còrr agus fichead bliadhna. Faodaidh e bhith gu’n cuir iad a mach e, ach ma chuireas, cha’n fhaigh na’s fhearr ’na àite. Tha bhuidheann ùr a’ dol a dheanamh moran matha, ma’s fior, ach faodaidh iad a bhi coltach ris a’ chirc a rinn an gog mòr ’sa rug an t-udh beag. Tha e ’na ni furasda gealladh math a thoirt seachad, ach ’se choilionadh a’s fhearr. Chaochail duin’ og, Eachunn Mac Gilleain, a dh’ fhalbh as an àite so o chionn beagan bhliadhnachan, shuas ann an Duluth o chionn ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh gu tigh athar, Ailein Mac Gilleain (eildear), agus chaidh adhlacadh Di-màirt s’a dh’ fhalbh. Bha da mhile dolair, ($2,000) de dh’ airgiod-urrais air a bheatha, agus rinn e an t-iomlan dheth suas d’a mhàthair. B’ fhearr gu’m biodh na h-uile gill’ og cho cuimhneach air a mhàthair ’sa bha ’n t-òganach so; cha’n eil gealladh aig an òige air saoghal fada na’s mò na th’aig an aois. Tha duine còir againn a tighinn do’n t searmon Ghàilig gach maduinn Di-dòmhnaich do’n ainm Iain Caimbeul. Tha e tighinn ochd mile a chluinntinn an t-Soisgeil air a shearmonachadh ’na chainnt fhéin, leis an Urr. Domhnull Mac Leòid, agus bi’dh e anns an eaglais roimh ’n fheadhain a tha làimh rithe. Tha eaglais glé fhaisg air fhéin, ach cha’n eil cainnt chaomh a mhàthar air a searmonachadh innte. Tha e thriris air tri fichead us deich bliadhna dh’ aois. Leugh mi litir Iain Rothaich á New Zealand, agus gu cinnteach thug i mor fhòghlum dhomh a thaobh na dùthcha sin. Tha a litrichean uile gle bhrioghar. agus is gasda leam fhein an leughadh iad. Tha ’n coithional cléireach anns a bhaile so a’ deanamh deas air son tigh mor ùr a thogail air son àite-comhnuidh dh’ an mhinistear, an t-Urr. Domhnull Mac Leoid, air an t-samhradh ’sa tighinn. Bha ’n t-side uamhasach fuar againn a’n so bho ’n sgriobh mi roimhe. Bha e 35° fo zero; cha robh fuachd cho mor anns a chearna so o chionn da fhichead bliadhna ’sa bha e an toiseach Februairidh. Tha mi nise ’dol a sgur. Cha sgriobh mi tuilleadh gu earrach, agus a’n sin feuchaidh mi ri litir na’s fhearr a chur g’ad ionnsuidh, ma’s urrainn mi idir. Slàn leat an dràsd. I. M. I. Priceville, Ont., Feb. 24, ’95. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Leighsidh Minard’s Liniment Ceann-bhrist. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 289] [Vol. 3. No. 37. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 16, 1895. No. 37. Sloinntearachd. Ann an àireamh na Seachdain s’a chaidh de ’n MHAC-TALLA, dh’ fheoraich fear “R. Mac L.” c’ àit am faigh sinn Gàidheal is urrainn a shinnsirean a shloinneadh a mach cho fada ris an deicheamh glùn, mar a rinn Aonghus Mac-Ille-Mhaoil ’san Lagan, an Canada Uachdrach; ’s ma bha aon diu ri fhaotuinn gu’m bu mhath leis cluinntinn mu thimchioll. ’S mise Alasdair, mac Ailein, ’ic Aonghuis, ic Alasdair bhàin, ’ic Alasdair Mhoir, ’ic Aonghuis a bhochdain, ’ic Alasdair Mhoir Bhothuintinn, ’ic Alasdair, ’ic Iain duibh, is Raonuill Mhoir na Ceapaich, ’ic Dhomhnuill Ghlais, ’ic Alasdair, ’ic Aonghus, ’is Alasdair Charraich, ’ic Iain, ’ic Aonghuis oig, ’ic Aonghuis Mhoir, ’ic Dhomhnull, ’ic Raonuill, ’ic Shomhairle, ’ic Gillebhride, ’ic Gilledonnain. Tha mic agam, is le ainm fir diu thoirt a stigh, ni mi suas ceithir ghlùin fhichead. Mur a creid sibh mise anns na tha mi ag ràdh, curibh a cheist air an Urr. A. Mac G. Sinclair, agus ’s urrainn dhasan innse dhuibh ma tha no nach eil mi ceart. ALASDAIR AN RIDGE. Ainmean nam Miosan. January, An Fhaoilteach. February, An Gearran. March, Am Màrt. April, An Gibleinn. May, Am Màigh. June, A’ Chiùine. July, Am t-Iuchar. August, An Liùnasdal. September, Sultuine. October, An Damhair. November, An t-Samhuinn. December, An Dùdlachd. Chuireadh na h-ainmean so g’ ar n-ionnsuidh le caraid; am bheil iad ceart? Leighsidh Minard’s Liniment ri reic ’s gach àite A NEW ZEALAND. Bha cùirt na suidhe o chionn mios air son rannsachadh a mach mu aobhar bristidh na soithich-smùide “Wairarapu,” ni air an d’ thug mi iomradh roimhe. Chuireadh a’ choire gu buileach air a’ chaiptean, air son a bhi ruith an t-soithich aig làn astar ann an ceo dorcha, ’nuair bu choir dha bhi ’ga cumail air a socair. Chailleadh esan leis ao t-soitheach; tha e nise ann an làmhan an àrd-bhreitheimh shuas, agus is diomhain do chùirt thalmhaidh a bhi ’toirt breith air. Bhrist an soitheach ’na dà leth; chaidh an leth-deiridh as an t-sealladh ann an uisge domhainn, ’s cha n-eil ri fhaicinn dhe’n cheann-toisich ach bàrr fear de na croinn. Bu cho math sin fhèin a dhol á sealladh na sùla, oir tha bhi ’ga fhaicinn ’na aobhar craidh us mulaid do iomadh teaghlach anns an dùthaich mu’n cuairt. Tha cùirn bheage de chlachan ri ’m faicinn anns an àite so, ge b’ e taobh a théid duine, ris an canar Kapura Maorie. ’S ann leotha bhios na Maories, nàisinn na dùcha, a’ deasachadh an cuid bidh. Gheobh iad mu làn cléibhe de chlachan beaga, ni iad teine mor air an uachdar gus am bi iad dearg theth. An sin cuirear as an teine, agus sgaoilear na chachan a mach air gach taobh dhe’n laraich, a fàgail siuichd ’s an teis-meadhoin, beag no mòr a réir na tha ri dheasachadh. Théid beagan uisge dhòrtadh air na clachan air son an glanadh bho ’n luathainn, agus an sin plàta sgaoileadh thairis orra. Air uachdar a phlàta, càirear ni sam bith a bhithear air son a bhruich, buntàta, feòil, iasg, maorach, no ni sam bith eile; theid plàt’ eile sgaoileadh air uachdar sin, agus air uachdar a phlàta, bi’dh tdilleadh chlachan tetha air an cur. Tha ’n àmhunn an sinn deas, agus cha’n eil dad aig a’ chòcairr ri dheanamh ach beagan uisge dhòrtadh air an dùn an drasda ’sa rithist gus am biadh a chumail o bhi air a thiormachadh suas, no air a losgadh. Tha biadh air a bhruich mar so cho glan ’s cho eireachdail ’s gu faodte chur air beulaobh duine sam bith. ’S ann air an dòigh so a b’ àbhaist do na Maories bho shean a bhì bruich an naimhnean ’nuair a gheobhadh iad greim orra. Agus cha n-eil àireamh mhor bhliadhnachan bho’n sguir lad a dh’ ith n co-chreutairean; chaidh uair us uair, cur as do theachdairean soisgeulach air an dòigh so. ’S e “Go-ashore” an t-ainm a th’ aig na Maories air poit thri-chasach. ’Nuair bha Caiptean Cook ag ùr-fhaighinn na dùcha so, chaidh na Maories aon uair air bòrd an t-soithich aige, agus air toil a bhi aige falbh, chuir e cabhag orra gu tir. Thug e poit thri-chasach dhaibh, air son an cumail sitheil, ag radh riutha aig a’ cheart àm “go ashore!” Bha na Maories an dùil gu’m b’e so ainm na poite, agus lean an t-ainm sin rithe riamh o’n uair sin, aig daoine geala ’s eile. ’S ann fo ’n ainm sin a dh’ fheoraicheas duine air son poit thri-chasach anns na bùithean air an latha ’n diugh, agus ma’s ann air dàil a gheobh e i, ’s e “Go-ashore” a theid a sgriobhadh ’san leobhar. Tha e coltach gu lean an t-ainm ris a phoit am feasd. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, 24mh latha dhe’n Fhaoilteach, 1895. Tha coinneamh gu bhi aig càirdean na Stuamachd a’n siorrachd Victoria anns an Talla a’m Baddeck, air Di-ciaduinn, an 27mh latha dhe’n Mhàrt, air son duine thaghadh a ruitheas air son na h-àrd-pharlamaid. Tha cuireadh fialuidh air a thoirt dhaibhsan uile leis ’m bu mhath cuideachadh leis an deagh aobhar, agus tha dùil ri àireamh mhath a bhi ’làthair. Bi’dh a’ choinneamh a’ tòiseachadh aig leth-uair an digh seachd feasgar. Leighsidh Minard’s Liniment Ceann-bhrist. [TD 290] [Vol. 3. No. 37. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB VII. Is ainneamh neach nach toir oirdhirp uair no uaireiginn air math a dheanamh do ’n t-sluugh a tha bochd ann an crannachur, agus do ’n mhuinntir a tha air an sàruchadh le trioblaidean troma, agus lìonmhor, na beatha so. Neach sam bith aig nach bi tomhas beag no mòr de chomh-fhaireachadh ri muinntir na trioblaid agus a’ bhròin, agus nach dean cuideachaidh leis na bantraichean ’s leis na dìlleachdain, agus leis gach neach eile a dh’ fhaodas a bhith gun chuideachadh gun chùl-taic anns an t-saoghal, cha bu toil leam a bhith ’na shuidheachadh. Is e an dòigh a’s fheàrr air an neartaichear gach buaidh a bhuineas do ’n chorp, do ’n inntinn, agus do ’n anam, na buadhan sin a chumail gu tric aig obair. Is e an duine a’s mò a tha ’nochdadh de chaoimhneas is caoimhneile a dh’ fhàsas. Ach am fear nach nochd cnoimhneas, seargaidh am beagan de nàdur a chaoimhneis a thachair a bhith aige. Ma chuirear an sìol anns an talamh ’na àm fhéin, bheir e mach toradh; ach ma bhios e air ’fhàgail ro fhada ’na laidhe ann an soire, theid e aog. Is ionnan so ’s mar a thachras do gach ni a bhuilich Dia oirnn, mur cuirear gu feum iad ann an àm. Ged a tha mòran a’ toirt oidhirp uair is uair air a bhith ’deanamh math do ’n co-chreutairean, mar a dh’ àithn Dia, gidheadh, tha cuid dhiubh nach lean ach ùine ghoirid air an obair so. Ann am beagan sheachduinean, no air a’ chuid a’s fhaide, ann am beagan mhiosan, fàsaidh iad sgìth de ’n obair mhath a ghabh iad os làimh a dheanamh. Mur soirbhich leotha cho math ’s a bha iad an dùil an uair a thoisich iad, caillidh iad am misneach, agus gheibh iad leithsgeul gu sgur de ’n obair. Is e an leithsgeul a’s trice a bhios aig cuid, gu bheil gu leòr aca ri dheanamh an aire a thoirt air gach obair a bhuineas do ’n teaghlaichean fhéin. Faodaidh so a bhith, ann an tomhas, fior gu leòr: ach ma bhios fior thoil aig duine math a dheanamh, cha ’n eagal nach fhaigh e iomadh cothrom air a dheanamh. “Far am bheil toil bithidh gnìomh.” Thugadh fa near mar tha, gu ’n do thòisich bean an uachdarain ri math a dheanamh do ’n t-sluagh an ceann ùine ghoirid an déis dhi tighinn thun na h-oighreachd. Theireadh cuid de na chuala mu ’n obair a bha i a’ deanamh, nach b’ fhada gus an sguireadh i dhi. Arsa cuid dhiubh, “Ni i air a socair mu’n tig dà bhliadhna o’n diugh.” “Cha mhair i air an obair ud fada an uair a a thuigeas i gu bheil e neo-chomasach dhi an sluagh a thoileachadh.” “Theid mise an urras an uair a thuigeas i sin, nach bi i ’na trotan o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile mar a tha i an dràsta.” “Nam biodh làn taighe de theaghlach aice ri chumail an òrdugh mar a th’ againne, dheanadh i air a socair.” So a nis mar a labhras iadsan air am bheil eud ri muinntir a bhios, a réir an comais, gu dìchiollach a’ feuchainn ri bhith ’deanamh math. Bha iad so uile gu buileach air am mealladh. Ann an àm, rugadh mac do ’n uachdaran. Rinn sluagh na h-oighreachd gàirdeachas nach bu bheag ri ’bhreith. Bha iad a’ faicinn gu robh cùisean coltach gu ’m biodh am mac ann an ionad an athar aon uair eile ann an Taigh n Coille. B’ e guidhe gach neach gu ’m biodh an t-oighre òg beò, slàn, fallain, glic, crionna, caoimhneil, agus a’ riaghladh na h-oighreachd an déigh bàs ’athar, gus am biodh e ’na fhìor sheann duine. Ma rinn an tuath foghail ri pòsadh an uachdarai, nis ann a rinn iad an fhoghail, a b’ fhiach foghail ràdh rìthe, ri breith an oighre. Bha teine-aighir air mullach gach cnoic an oidhche a rugadh e. Rinneadh cuirm mhòr do ’n tuath, agus aig a’ chuirm so dh’ òladh deoch-slàinte an oighre òig le mòr chridhealas, agus le làn dhùrachd. O àm gu àm rugadh aon is aon eile do ’n uachdaran, gus mu dheireadh an robh còignear de chloinn aige—aon mhac agus ceathrar nighean. Dh’ fhàs iad suas ann an gliocas cho math ’s bu mhiann le neach sam bith. Chuir an athair agus am máthair eiseipleir mhath fa ’n comhair, agus bha iad air an teagasg anns gach fòghlum agus fiosrachadh a bha feumail dhaibh. Bha iad a’ fuireach mar bu trice ann an Taigh na Coille gus an robh iad aig aois anns am biodh iad comasach air an aire a thoirt dhaibh fhéin. B’ e beachd am pàrantan nach robh e sàbhailte clann òg a thoirt air falbh ro thràth o chùram na màthar agus an athar. A dh’ aindeoin cho cùramach agus cho faicleach ’s a dh’ fhaodas càirdean a bhith mu thimchioll cloinne, cha ’n urrainn iad a bhith cho cùramach ris na pàrantan. A bharrachd air so, bha na pàrantan a’ faicinn gu ’m b’ e an dleasdanas an t-oighre a chumail aig an taigh maille riutha fhein, gus am biodh e mu ochd bliadhna deug a dh’ aois, a chum gu ’m biodh e làn-eòlach air gach beachd agus cleachdadh a bha am measg an t-sluaigh. Bha fhios aig an uachdaran gu robh an t-eòlas a bh’ aige fhein air beachdan agus cleachdaidhean an t-sluaigh a chum feum mòr dha an àm a bhith ’cur chùisean ceart ’n am measg, agus air am aobhar sin, bha toil aige gu ’m biodh eòlas aig a mhac air na ceart nithean. O fhein-fhiosrachadh hha e ’tuigsinn glé mhath nach b’ urrainn gu ’m biodh uachdaran sam bith measail aig an t-sluagh, mur biodh e fhein agus an sluagh a’ tuigsinn a chéile. Mar sin, bha e o àm gu ám a ghabhail gach cothrom air a bhith ’teagasg d’ a mhac mar bu chòir dha a bhith ’riaghladh an uair a gheibheadh e an oighreachd ’n a làmhan fhein. Math agus feumail ’s mar a dh’ fhaodas an fhòghlum sin a bhith a gheibhear ann an àrd sgoiltean na rìoghachd, cha dean i feum do dh’ uachdaran sam bith cho math ri eólas air dòighean agus cleachdaidhean na tuatha a bhios fo a riaghladh. Neo-ar-thàing nach robh an t-oighre air a theagasg anns gach seòrsa fòghlum air am biodh feum aig a leithid. Bha e fo theagaisg duin’ uasail a bha anns gach dòigh freagarrach gu teagasg a thoirt seachad. Bha ’n teaghlach gu léir a’ cur seachad mu thrì mìosan a h-uile bhliadhna am measg chàirdean, araon ann an taobh deas na h-Alba, agus mar an ceudna, ann an Sasunn. Ach bha iad fad nan naoi mìosan eile ann an Taigh na Coille. Air an dòigh so bha iad a’ faotainn na bha feumail dhaibh a dh’ eòlas araon am measg nan Gall agus am measg nan Gáidheal. Toileach ’s mar a bha ’n t-uachdaran air gach fiosrachadh a thoirt d’ a mhac air an dòigh anns am b’ fhearr a dheanadh e a dhleasdanas mar uachdaran, bha bean an uachdarain a cheart cho toileach air a cuid nighean a theagasg mar bu chòir dhaibh a bhith deanamh math do [TD 291] [Vol. 3. No. 37. p. 3] na daoine bochda. An uair a ràinig iad aois aig an robh iad comasach air a thuigsinn, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh, bheireadh i leatha iad a dh’ amharc air na daoine a bha bochd, tinn, trioblaideach. Mar bu trice b’ ìad a chlann a bheireadh seachad, ’nan ainm fhein, gach ni a bha i a’ cur air leith air son nam bochd. Bha so a’ toirt mòr-thoileachadh do ’n chloinn aig an àm, agus bha iad mar an ceudna air an teagasg ann an tùs an làithean a bhith iochdmhor, truacanta ris gach neach a bhiodh ann an éis agus ann an trioblaid. An uair a thilleadh i dhachaidh an déigh earrann mhath de ’n latha ’chur seachd am measg nan daoine bochda, bhiodh i ag ràdh riutha, gu ’m bu chòir dhaibh a bhith taingeil do Dhia air son na bha iad a’ sealbhachadh de gach ni air an robh feum aca. Nam biodh iad uair sam bith a’ gearan nach robh iad a’ faighinn gach ni a rèir am miann, ghrad theireadh i riutha, nach robh aca ach gearan ailleasach. Agus chuireadh i ’n an cuimhne, gu robh na ficheadan air an oighreachd a bhiodh glé thaingeil leis a’ bhiadh a dh’ fhàgadh iad, agus leis an t-seann aodach nach iarrteadh orra a chur umpa tuilleadh. Air an dòigh so bha’ phróis agus an t-ailleas a bha ’g iarraidh làmh-an-uachdar ’fhaotainn orra air an cumail fodha ann an ám. Ré nam bliadhnachan a bha ’n teaghlach a’ fàs suas ann an Taigh na Coille, cha robh teaghlach eile anns an taobh tuath gu léir, ged is mòr am facal e, a bha cho feumail agus cho sona riutha. B’ ainneamh àite anns an robh teaghlach a bha cho ordail riutha anns gach doigh. B’ aithne do na pàrantan gu math mar bu choir dhaibh an clann a riaghladh, agus anns gach ni, bha ’chlann umhail do na pàrantan, agus measail orra fhein. Bha ’leithid de mheas aig an luchd-muinntir orra gu léir ’s nach bu deoin leotha dealachadh riutha mur b’ fhìor eiginn daibh. (Ri leantuinn.) PARA PIOBAIRE. NAIDHEACHD EIRIONNACH. Tha naidheachd agam duit, agus tha i neonach; ach iongantach ’s mar tha i, tha i cho fior ’s a tha e gu bheil mise am sheasamh ann an so, agus is breugach do ’n fhear a chuireas sin an ag:—Thachair an ni so ann an àm an Ar a-mach, an uair bha na laithean fada samhraidh, coltach ri beatha iomadh oigeir grinn, air an gearradh goirid leis na laghannan a chaidh a thoirt a mach ’n ar n-aghaidh—laghannan nach ceadaicheadh do dhuine sam bith math no dona bhi mach air dorus an deigh claonadh feasgair; oir an uair a bha obair an latha thairis, cha robh a chridh’ againn dol a ghabhail lan-beoil le caraid, no a dhannsadh le nigheanaig, ach dh’ fheumadhmaid falbh dhachaidh, agus sinn fein n chubadh a suas fo ghlais agus gun chrann a thoirt bharr doruis gus an eireadh a’ ghrian ’s a’ mhadainn. Ach coma, gu tighinn gu m’ naidheachd:—Am feadh a bha sinn, oidhche de na h-oidhcheannan, ’n ar suidhe mu’n chagailt agus a’ phoit bhuntata a’ goil air an teine, agus na cuachan bainne lan, deas air son ar suipeireach, chuala sinn buille aig an dorus. “Cuist,” arsa m’ athair, “sin agad na saighdearan oirnn a nis; tha eagal orm gu ’m faca iad aiteal an teine troimh na tuill a tha air an dorus. Cha ’n ’eil math dhuinn a bhi ’cur am fiachaibh dhaibh gu bheil sinn ’n ar laidhe—falbh, a Shumais,” thuirt e rium fhein, “agus seall co tha ann; ach air do bheatha na fosgail an dorus do dhuine beo ach do na saighdearan agus feuch gu ’n sliog ’s gu ’m breug thu iad mar is fearr is urrainn duit.” Air so thug mi ’n dorus orm, ’s glaodhar, “Co tha sin?” “Tha mise,” thuirt am fear a bha mach. “Agus co thusa?” arsa mi fhein. “Nach ’eil thu ga m’ aithneachainn,” ars’ esan,—“do charaid, Para Piobaire?” “O, shiorraim ’s a’ righ,” arsa mise, “ciod a thug a’ so thu mu ’n àm so dh’ oidhche?” “Ma ta,” fhreagair Paruig, “cha robh toil agam dol m’ am cuairt an rathad-mor, ghabh mi an t-ath-ghoirid, chaidh mi air seacharan, agus sin agad ciod a chum cho anmoch mi.” “Cha ghabhainn,” arsa mise, “crun an righ agus a bhi ann ad aite; oir tha fhios gle mhath agad fhein gur e crochadh do chuibhriunn ma chithear a mach thu ’s na h-amannan cruaidhe so.” “Tha fhios agam gu math air sin,” fhreagair am piobaire, “Ni-math ga m’ dhion! agus is e sin a chuir a’ so mi; leig a stigh mi air sgath seann eolais.” O, air m’ fhacal,’ arsa mise, “cha ’n ’eil a chridh’ agam an dorus ’fhosgladh air son an t-saoghail, mar is math tha fhios agad; agus ma bheireas na saighdearan ortsa tha do cheann an geall na ’s fhiach e—theid do chrochadh cho cinnteach ’s is e Paruig is ainm duit.” “Gu ’n robh math agad,” ars’ esan, “ach tha dochas agam nach e sin is deireadh dhomh fhathast.” “Ma ta,” arsa mise, “rach agus falaich thu fein cho luath ’s is urrainn duit, neo ’s i binn ghoirid ’s teadhair fhada na gheobh thu bho na saighdearan—oir, ceartas cha ’n aithne do na slaightirean, agus trocair cha ’n ’eil aca!” “An tuilleadh aobhair air son gu ’n leigeadh tu stigh mi, Sheumais,” arsa Paruig bochd. “Is diomhain duit a bhi a’ bruidhinn,” arsa mise, “cha’n fhaod mi an dorus ’fhosgladh. Thoir ort am bà thigh cul an tighe, far a bheil am mart, agus gheobh thu an sin dais chonlaich air am faod thu cadal gu sona-bheairteach—leaba a dh’ fhoghnadh do fhear-fearainn, gun ghuth air piobaire.” Air falbh ghabh Paruig do ’n bha-thigh, agus, gu fior rainig e ar cridheachan a dhiultadh, agus gu seachd sonraichte o’n bha am buntata bruich—agus cha bu sinn a bha riabh doicheallach ri duine bochd a thainig ’n ar caraibh. Coma co dhiubh, chaidh sinn uile a laidhe agus neadaich Paruig e fein am measg na conlaich anns a’ bhà-thigh; agus a nis feumaidh mi innseadh dhuit mar a chaidh dha:—An deigh do Pharnig a bhi greis ’n a chadal, dhuisg e suas, agus a’ smaoineachadh gu ’n robh a’ mhadainn fada air a h-aghaidh,—ach is i a’ ghealach a thug an car as,—thog e air, oir bha toil aige bhi moch aig a’ bhaile b’ fhaisge dha, do bhrigh gu ’n robh faidhir ri bhi ann air an latha sin, agus bha mhiann air urad ’s a b’ urrainn da de pheighinnean a chur cruinn air an fheill. Cha robh anns an duthaich m’ an cuairt piobaire a bheireadh barr air Paruig. Mar bha mi ag radh, thog e air a dhol thun na h-idhreach, agus ghabh e frith-rathad troimh na ghachaidhnean, ach cha deachaidh e ach gle ghoirid air a thuras an uair a thachair callaid thiugh air, agns an uair a bha e ’g a shlaodadh fein troimhpe agus e a’ sgiolcadh a mach air an taobh eile dhi, thug e gleadhar le ’cheann air rud-eigin a chuir tein’ athair as na suilean aige. Dh’ amharic e suas—agus ciod a shaoileas tu bh’ ann, Ni-math g’ ar dion!—ach corp duine, crochte air meangan craoibhe “Failte na maidne dhuit, fhir a th’ ann,” arsa Paruig, (Air a leantuinn air 8mh taobh.) [TD 292] [Vol. 3. No. 37. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MART 16, 1895 Litir a Lunnainn. Bha ’n Céilidh miosal aig a chlass Ghàidhlig air a mhios a chaidh seachad na choinneamh cho gasda ’s a bha aca fhathast. Cha robh an oidhche fada ’dol seachad le ceòl, òrain, agus dannsadh. B’ e Mr. E. Hepburn “Fear-an-taighe” airson an fheasgair, agus b’ aoibheil an fear taighe e. Chum e suas riaghailtean a chomuinn gu math le bhi cumail ris a Ghàidhlig fad na h-ùine. Thug e òraid ghoirid seachad anns a chainnt bhlasda so, agus bho ’n a tha mi cinnteach gu ’n taitinn i gu math ri bhur luchd-leubhaidh tha mi ga cuir thugaibh le so. CABAR FEIDH. 25, 2, ’95. AN ORAID. A chàirdean,—Tha sibh an seo an nochd air chéilidh, a cumail suas nan seann cleachdaidhean a bha aig bhur sinnsiribh, ’s e sin a bhi ’cruinneachadh ann an taighibh àiridh an deigh obair an latha, agus a cur seachad na h-oidhche gu cridheil, cairdeil, le òrain, sgeulachdan agus dannsa. Tha mi ’n dòchas nach d’ thàinig sibh an seo le dùil a bhi ’g éisdeacad ri muinntir aig am beil tàlantan mora, oir cha ’n ’eil anns a’ chomunn a thug an cuireadh dhùibh an nochd ach Gaidheil a tha fiachainn ri bhi deanamh an dleasnas daibh féin agus do’n dùthaich as an d’ thainig iad, agus ma tha aon sam bith n’ur measg féin is urraìnn ar cuideachadh le òran a sheinn no sgeulachd aithris bithidh sinn gle thoilichte a chluinntinn. Na h-orain a chluinneas sibh an nochd, chuala sibh iomadh uair roimhe, agus ma bha iad milis, blasda, binn, ’nur dùthaich féin bu choir dhaibh a bhi moran ni ’s milse, ni ’s blasda, agus ni ’s binne, ’nuair a chluinnear iad am baile mor Lunnainn. Tha cuid ann a their gu’m beil a’ Ghàidhlig a bàsachadh, agus nach fhada gus am bi i cho marbh ri sgadan, ach an uair a sheallas mi mu’n cuairt orm, agus a chi mi an seòmar boillsgeach seo cho làn de mhuinntir a thàinig as na h-uile cearn de’n Ghàidhealtachd (agus faodaidh mi a radh as na h-nile cearn de Lunnainn) a dh’ eisdeachd ris ha seann òrain, agus a labhairt na seana chainnt, their mi ribh nach creid mi facal dheth. Cha’n ’eil mi toirt creideas sam bith dhaibhsan a their gu’n do chaill iad a’ Ghàidhlig. Ma dh’ fheuchas sibhse dhomh aon Ghàidheal a chaill a Ghàidhlig o’n thàinig e do’n Ghalldachd dearbhaidh mise dhuibh nach robh i riamh aige. Nise smuainichibh féin co do ’m b’ urrainn an luinneag leis an do chuir a mhàthair a chadal e a leigeil as a chuimhne. Cha mhor a bheirinn air a’ Ghàidheal a dhi-chuimhnicheadh an cronan milis sin, agus a chuireadh ’na aite na luinneagan faoine, gun bhrigh, gun tùr, a chluinnear air sràidibh a’ bhaile seo. Ach ’se bhitheas againn an nochd na h-orain bhinne a thainig nuas o linn gu linn, agus a tha nise cho beò ’s a bha iad riamh agus ’s e mo ghuidhe gu’n cuir sibh uile am meas sin orra tha iad a toilltinn, agus gur fada bhuainn an là anns am faigh ar naimhdean an dùrachd. Leighseadh mise o chuing le MINARD’S LINIMENT. I. M. CAIMBEAL. Bay of Islands. Leighseadh mise o at air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. U. DANIELS. Springhill, N.S. Leighseadh mìse o Loinidh le MINARD’S LINIMENT. DEORSA TINGLEY. Albut, N. B. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 293] [Vol. 3. No. 37. p. 5] NAIDHEACHDAN. Moran taing do ar caraid a Lunnuinn, a tha ’cur nam paipearan d’ ar n-ionnsuidh. Tha sinn glé thoilichte bhi ’g am faotainn. Cha d’ fhuaireadh sgeul fhathast air Marta Roach, a’ chaileag a chaidh air chall aig a Mhèinn Uir latha na bliadhn’ ùire. Cha-n-eil fhios dé dh’ éirich dhith, agus thatar air dùil a thoirt dhi. Ma bhios gach ni freagarrach, tha rèis each ri bhi air an deigh ’s an acarsaid so, an diugh aig leth-uair an deigh aon uair. Bha ’n réis so ri bhi aca air a mhios a chaidh, ach cha robh an deigh freagarrach. Bha oidhche Di-dòmhnaich s’a chaidh briagha, soilleir, agus bha deagh chothrom aig daoine air dubharadh na gealaich fhaicinn. Thàinig a cheud sgàile oirre mu leth-uair an deigh naoidh, agus bha i air a còmhdach gu h-iomlan mu aon uair deug. ’S math an rud an t-airgiod, ach ’s fhearr do dhaoine chumail ’na àite fhéin. Chaidh duine ann a’ Fall River, Mass., a chadal an oidhche roimhe, ’s tri buinn airgid ’na bheul, agus ’sa mhaduinn fhuaireadh marbh e; chaidh na buinn na amhaich, ’s thachd iad e. Chaidh muc-mhara a mharbhadh a mach o chladach Nahant, faisg air Boston, Di’ sathairne s’a chaidh. Bha i 75 troidh a dh’ fhad, agus bha choltas oirre gu robh i gle shean. Cha n-ann gle thric a gheobhair cothrom air muc-mhara mharbhadh cho fada deas. Bha coinneamh aig Cléir Shidni ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Bha coinneamh mhor aca ’san oidhche mu dheibhinn Stuamachd, aig an do labhair àireamh de na ministearan, a’ togail an guth gu làidir an agaidh reic agus òl an stuth làidir. Tha e air innse dhuinn gu bheil tri fichead àite ann an Sidni Tuath anns am bheil an stuth ’ga reic. Tha cuideachd a ghuail an deigh lagh cruaidh a dheanamh a thaobh an luchd-oibreach a bhios ris an òl, ma’s fior an sgeul. A’ cheud dhaorach a ghabhas duine an deigh so théid a chur as an obair fad sheachd latha, an darra h-uair a ghabhas e i, théid a chumail o obair còig latha deug, agus an treas uair, theid a chur as an obair gu buileach. ’S e ’n duine glic nach gabh daorach idir. Tha baile St. John’s, ann an Newfoundland, ann an suidheachadh uamhasach bochd. Tha darra leth an t-sluaigh gun greim aca dh’ itheas iad ach na bheirear dhaibh. Iadsan nach eil a faotainn déirce, tha iad ’na fheum cho mor riuthasan a tha. Tha cuideachadh a’ dol d’ an ionnsuidh a Canada, as na Stàitean, ’s a Breatunn, ach bha e fadalach gu leòr ’g an ruigheachd. Dì-màirt s’a chaidh, ràinig luchd soithich de bhiadh am baile, agus tha iad a’ deanamh a mach gu’n d’ fhuair còig ceud air fhichead teaghlach biadh math an latha sin, nach dobhlais air biadh fad dha no tri lathaichean roimhe sin. Bha fear Niall Mac Aonghais, a mhuínntir siorrachd Inbhirnis, air a chur a stigh na bhall-pàrlamaid a’m Minnesota, o chionn ghoirid. Fhuair e tri mile bhòt a bharrachd ’sa fhuair am fear a bha ruith ’na aghaidh. Chaidh fear eile, Gilleasbuig Gillios, a mhuinntir Gleann-nan-Sgiathanach, ’san t-siorrachd cheudna a chur a stigh do phàrlamaid Mhanitoba o chionn beagan mhiosan. Cha n-eil car oibreach ’ga dheanamh ann am meinn Ghowrie an dràsda. Thòisich iad air bancadh guail toiseach a Mhàrt, ach sguir iad Di-sathairne s’a chaidh. Tha na sealbhadairean ag ràdh gu bheil tuilleadh ’sa chòir de chosgais an co-cheangal ris an obair, agus, mar sin, gu feumadh iad sgur. Bha a’ mhèinn ’na tàmh a’ chuid bu mhò dhe’n gheamhradh, agus tha i bhi ’na tàmh a rithist a tigh’n gu math cruaidh air an luchd-oibreach. Chaidh fear Iain Robertson a chur an sàs o chionn ghoirid air amhrus gu’n do chuir e tigh ’na theine, ach air dha cùirt a sheasamh, fhuaireadh neo-chiontach e, agus leigeadh ma sgaoil e Di-sathairne s’a chaidh. Di-màirt, fhuair e litir à Chicago ag innse gu’n do chaochail piuthar athar no màthar dha, agus gu’m b’ esan a dìleabach. Tha nise fiach dheich mile fichead dolair ($30,000) dhe’n t-saoghal aige. Cha robh aige roimhe so ach na dheanadh e air an obair-latha. Tha e fuireach ann am Montreal. BAIS. Aig Caribou Marsh, oidhche Di-màirt, Alasdair Mac Fhearghais, (Tàillear) tri fichead bliadhna ’sa seachd deug a dh’ aois. Rugadh e a’n Uidhist ’sa bhliadhna 1818. Bha e ’na dhuine còir, cùramach, agus gle mheasail aig na h-uile bha eòlach air. Dh’ fhàg e bantrach. seachd mic, ’s ceathrar nighean. Tha dithis dhe ’mhic a’ tàillearachd anns a’ bhaile so. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. SANAS. Bathar Ur na h-uile Seachdain. Na prisean na’s isle na bha iad riamh. Caileagu, Aodaichean, Caiseart, Dluth Geal. Tha Gailig aig na cleirich. STOR SHAOR SHIDNI. F. A. CROWELL, Fear-Gnothuich [TD 294] [Vol. 3. No. 37. p. 6] Baird an Latha ’n Diugh. Tha aireamh mhor de bhard Ghaidhealach againn anns an linn anns am bheil sinn fein a lathair. Tha aobhar aig gach Gaidheal a bhi tangeil agus proiseil gu ’m bheil baird againn a nis a tha pongail, ceolmhor agus eudmhor. Cha ’n ’eil da rireadh eagal air bith gu’m bheil a’ Ghaidhlig ann am feasgar a laithean, an uair a ghabhas sinn beachd air a’ chuideachd lionmhor a tha gleusadh an cruit-chiùl ann an briathran snasmhor binn na Gaidhlig, agus mar an ceudna ann an cainnt bhinn bhlasda Oisein nan caomh dhan ’s nam beusan ciùin. Gun teagamh gheibh gach Gaidheal sonas agus solas mor ann a bhi leughadh bardachd agus smuaintean arda ’s ceolmhor nam filidhean a tha nis a’ togail an guth am measg an fhraoich agus ann an tirean a tha fada air falbh, far am bheil Gaidheil a tuinneachdadh agus a’ deanamh gniomharan mora agus tapaidh. Is ann le tlachd agus toileachas anabarrach, a ghabhas gach Gaidheal a tha uallach, dileas agus blath-chridheach, eolas air na baird fhileanta, dhichiollach a tha ’sniomh rannan boidheach, ceolmhor, mu dheibhinn nan Gaidheal; agus nan abhaistean, agus nam buaidhean a bha onorach, arda, measarra, foghainteach air feadh na Gaidhealtachd o cheann iomadh ceud bliadhna. Cha ’n ’eil againn uine bhi deanamh iomraidh air gach bard a thog agus a tha ’togail a ghuth gu duineil foirmeil ealanta ann an rannan blasda, boidheach na Gaidhlig. An t-Oranaiche no co-thional taghte de orain ur agus shean, is e so ainm leabhar gasda a chruinnich Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, ann an Glaschu o cheann seadh bliadhna deug. Is e Gaidheal gasda, foghluimte, eudmhor a bha ann am Mac-na-Ceardadh. Is ann an Ile rugadh e an t-eilean as modha baigh, ’us caoimhneis, ’us dilseachd, am measg eileanan ’us srathan Albainn, do ’n Ghaidhlig agus do gach ni ’tha Gaidhealach agus airidh air gradh ’us comhnadh, ’us moladh gach Gaidheil a tha measail air canain ’us cliu ’us euchdan nan daoine meamnach o’n d’ thainig e. Thruis Mac-na-Ceardadh (mar a tha è fein a’ sgriobhadh ainm) iomadh orain milis laghach modhail a thug toileachas mor do mhoran oigridh, agus a sheinn iomadh mac ’us nighean air feadh nan gleann ’s nan srathan boidheach, fialaidh Gaidhealach. Is e eud gasda, dileas a bhrosnuich Mac-na Ceardadh, an uair a ghabh e dragh ’us dichioll mor air fein, ann an cruinneachadh orain mhilis cheolmhor, a thug tlachd ’us sonas do mhoran Gaidheil agus a bheir tlachd ’us gean ’us sonas do na Gaidheil a thig anns na linntean a tha romhainn. Is iad so briathran Mhic-na-Ceardadh fein. Tha mi ’guidhe gu’m bi an t-oranaiche cosmhuil ri sgolt long eutrom, thapaidh, loma-lan do raogha is taogha bathair, iubhrach ghasda chomhnard a sheolas tromh gach caol ’us camus, a shiubhlas air gach loch ’us linne a thathaicheas air gach uig ’us ob ’s a thaghaileas air gach port ’us lamhaig gus comh-ionnan ri iadhadh na greine, an cuir i cuairt shunndach shorbheachail air an t-saoghal Ghaidhealach ga leir. Ann an 1880 chuir Mairi Nic Ealair a’ bhana bhard thapaidh, chomasach, aigeannach, a duanagan mhilis, cheolmhor a mach fo sgaile sgiath chaoimhneil caraid dileas agus fear tagraidh mo dhùthcha, mo shluaigh, agus mo chanain, Professor Blackie. Chaochail a’ bhana Ghaidheal urlabhrach, uasal bho’ cheann bliadhna no dha agus nochd Gaidheil Albainn, agus Lochial an ceannard uasal, urramach, moran onoir ’us doilgheis an uair a thainig crioch air cuairt thalmhaidh na banabhaird eireachdail a rinn gach Gaidheal a tha airidh air an ainm toilichte ’s proiseil. Tha aobhar againn d’a rireadh, a bhi taingeil agus mor-chuiseach do bhrigh gu ’n d’ eirich ann ar linn bana bhard co uasal co ealanta co dileas, co modhail, co flathail, deas bhriathrach, ri Mairi Nic Eallair. Dh’eadar-theangaich i gu dileas agus gu pongail leabhar na Ban-righ. Anns an romhradh a tha i ’g radh. “Air d’ a Morachd Rroghail a’ Bhan-righ lan-fhios a bai aice air an speis a tha aig clann nan Gaidheal dhi, araon mar bhean-uasail agus mar uachdaran, bha i toileach gu’m biodh cothrom aca air a bhi leughadh ’n an cainnt bhlasda fein am meas a tha aice orrasan mar shluagh rioghail, dileas gaisgeill agus an speis a tha aice do na glinn shiochail, agus na beanntan aosda, anns an d’ fhuair i cho liugha solas. Air son sin chuir i an earbsa ruimsa, a leabhar “Tuilleadh Dhiulleag a thionndadh gu Gaidhlig. Thug mi oidhearp air sin a dheanamh cho math ’sa b’ urrainn mi ague tha mi an dochas gu’n taitinn e ri mo luchd-ducha. Mairi Nic Eallair. Is e bana-Chamaronach a bha innts. Chaith i laithean a h-oige ann am Baile-Chaolais aig beul Ghlinne-Comhainn, gleann air am bheil gach Gaidheal thall ’sa bhos gle eolach do bhrigh gu’n do mharbhadh gu narach agus gu maslach iomadh Donnllach morail, fiughanta, grinn anns a’ ghleann so o cheann da cheud bliadhna le ordugh an-iochdmhor nan nachdaran aig an am sin ann an Albainn. Is ann le buaidhean cridhe ’s inntinn a bha mor, gasda, fileanta agus meamnach, a thoisich Mairi Nic Ealair air a bardachd, agus air a smuaintean arda oirdheirc a chur ann an rannan gleusda, binn. Bha i gaisgeil ann an rannan anapaestic, mar a their na Greugaich agus na Romanach ’a dhealbh ann an cainnt aosmhor Oisein agus na Feinne. Nach boidheach agus nach milis na rannan so rinn i:— Dean, a dhùthaich nan treun, Iollach eibhneis as ùr. Chualas nuallan na piob’ A’n tigh riomhach nan tùr, ’Us d’ uaislean nan ceudan Gu h-eudmhor tìgh’n cruinn. ’Chumail suas na cainnt buadhmhor ’Bha dual do na soinn A chànain mo mhàthar, A chanain mo ghaoil, Bi’dh thu ’fàs ann an sgiamh, Gus ’m bi crioch air an t-saogh’l. ’S ged bha thu gu tinn Gheibhear cinnteach dhuit léigh, ’S bi’dh thu luinneagach, binn, Feadh gach linn ’thig ’nar deigh. Chaidh cheana moladh mor a dheanamh air an oran a sgriobh i mar Fhailte do Mharus Latharna ’s do mhnaoi oig rioghail. Ged nach sgrobhadh oran eile, gu cinnteach bhitheadh a h-ainm ’s a cliu ard, morail agus urramach ann an cuideachd nan bard Gaidhealach. Is tiamhaidh na rannan a chuir i ri cheile mu dheinhinn Tighearna Lochial ar ndeigh blair-chulfhodair: ’N uair thogainn-sa mo shùil a suas, ’S crois-taraidh le luas na gaoith’, Gan tional gu toiteach nan tuagh. ’S ann riamh gu buaidh a thriall na laoich. Bha uamhunn air na Goill roi’n ainm, Ged tha ’n duigh pailm chùil-fhodair ac’, S i ’m ban-fhuil fhein bhiodh fo na buinn, Na ’m biodh ar suinn gu léir ’nar taic. A thaibhse Bhruis, dean faire leam, ’Us sileamaid ar deòir le cheil’. Chuir Albainn féin an diugh air chùl Oighre do chrùin, is mor am beud. Bi ’d thosd mo chridh, us sguir a d’ thùrs, Cha n-ann gu tuireadh so mo tàmh, Mo chreach mo lamh bhi ’n diugh gun lùs, Gu dioghladh air son luchd mo ghràidh. [TD 295] [Vol. 3. No. 37. p. 7] An eiginn dhòmhsa, Triath nam beann, Bhi ’m fhògrach fann air feadh nan stùc. ’S gu tosdach sealltuinn ort, ’s do cheann, A thalla aosda, anns an ùir! Lossg na Dearganaich gu làr Gach baideal àrd de’n dachaidh ghaóil, ’San tric a fhuair mi fois us blàs, Air tilleadh dhomh bho àr nan laoch. Bha mulad trom air iomadh Gàidheal an uair a chual’ iad an sgeula brònach gu’n d’ imich Mairi Nic Ealair do thir na diochuimhne, agus mar so gu’n do chriochnaich i gach duan ’us oran, gach sgriobhadh pongail, tapaidh, agus gach tlus ’us bàigh a rinn agus a nochd i riamh do thir a dùthchais, agus do chanain nan Gàidheal. Co nach cuireadh clach ’na chàrn, agus nach tugadh gach spéis us mùirn us onair do’n bhana-Ghaidheil treubhach, àrd-inntinneach, bhlàth-chridheach, a tha nis tosdach ann an suain a’ bháis maille ri ’sinnsirean ann an Lochabair, agus fo dhìdein agus fo sgàile Bheinn-Nibheis le ’cheann àrd, le ’shneachda geal, le ’ghàirdean cumhachdach, le ’mhaise ghasda, agus leis gach neart a bhuilich e riamh air Gàidheil mheasail, thogarrach. CONA. Leighsidh Minard’s Liniment Lòsgadh. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. C. B. TRAVIS, SYDNEY, C. B. Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds. A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books. Sewing Machine Needles and oil always kept on hand. Call and Examine Stock. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 296] [Vol. 3. No. 37. p. 8] (Air a leantuinn o’n 2mh taobh.) “Cha bheag an clisgeadh a thug thu dhomh;” agus b’ fhior dha sin, ’s cha b’ iongantach e. A nis, is iad na reubalaich a chroch an duine truagh, agus bha fhios aig Paruig air so gu lan mhath, oir dh’ aithnich e air a chulaidh co ’n dream d’ am buineadh e. “Air m’ fhacal,” ars’ esan, “is eireachdail a’ phaidhir bhotainnean a tha air do luirgnean, agus is i mo bharail nach cuir thu bheag a dh-fheum tuille orra; agus is narach ri ’innseadh gu ’m bithinnse—am phiobaire is fearr anns na seachd sgireachdan—a’ siubhal an rathad le paidhir de sheann chobuil bhrog orm nach togadh an diol-deirce is bochda ’s an duthaich as an dùnan.” Rug Paruig air na botainnean agus thoisich e air an slaodadh dheth, ach dheth cha tigeadh iad; mu dheireadh thug e thairis dhiubh agus bha e brath togail air, an uair a thug e an ath shuill cir na botainnean aluinn, ’s chuir e roimhe gu ’m biodh iad aige, dheoin no dh’ aindeoin. Thug e mach sgian mhor, gheur, agus ghearr e na luirgnean bharr a’ chuirp, chàirich e ’n a achlais iad, a’ cur roimhe feuchainn ris na botainnean a thoirt diubh a’ chiad chothrom a gheobhadh e. Cha b’ fhada rainig e an uair a chunnaic e ghealach a’ caogadh a mach fo sgéith neoil; thug e nis fainear mar thug i an car as, agus dh’ aithnich e nach robh e ach ro mhoch ’s a’ mhadainn; bha sgàth air, agus air eagal gu ’m beirteadh air ’s gu ’n rachadh a ghiollachd coltach ris a’ chorp a’ bha e fein an deigh a ghnathachadh cho neo-laghail,—thill e air a shail, thug e air am báthigh far an robh e toiseach na h-oidhche, agus an uair a chuir e falach na botainnean agus speirean a’ chuirp am measg na conlaich, laidh e sios agus chaidil e. Ach ciod a th’ agad air no dheth, cha b’ fhada bha e ’n a laidhe ’n uair thainig na saighdearan, agus ’s e bh’ ann, glacar agus togar leotha am piobaire beo, slan—agus bu gheal a thoill e sin an deigh mar mhi-ghnathaich e an corp. (Ri leantainn.) Moladh na H-Oighe Gaelich. LE UILLEAM ROS. A Nighean bhòidheach An òr-fhuilt bhachalaich, Nan gorm-shùl mìogach, ’S nam mìn bhas sneachda-gheal, Gu’n siubhlain reidhleach A’s sleibhtean Bhreatuinn leat, Fo earradh sgaoilte, De dh’aodach breacain orm. S e sud an t-éideadh Ri ’n eireadh m’aigne-sa, ’S mo nighean Ghàelach, Aluinn agam ann; O bheul na h-oidhche Gu soills’ na madainne, Gu’m b’àit n-ar sùgradh Gun dùsal cadail oirnn. ’Ged’ tha na bain-tighearnan Gallda, fasanta, Thug òigh na Gàelig, Barr am mais’ orra, Gur annir sheòighn i Gun sgòid ri dearc’ oirre, ’Na h-earradh glé-mhath De dh’eudadh breacanach. Gur foinnidh, mìleanta Direach, dreachmhor, i, Oha lùb am feoirnean Fo bròig ’nuair shaltras i; Tha deirge a’s gile Co-mhire gleachdanaich, ’Na gnùis ghil, éibhinn, Rinn ceudan airtneulach. Réidh dheud chomhnard An ordugh innealta, Fo bhilibh sàr-dhaitht’ Air blàth bhermillian; Tha h-aghaidh nàrach Cho làn de chinealtachd, ’S gun tug a h-aogas, Gach aon an ciomachas. Gur binne còmhradh Na òraid fhileanta, Tha guth ni’s ceòlmhoir’, Na òigh-cheol binn-fhaclach, Cha laidheadh bròn oirnn, No leon, no iomadan, Ri faighinn sgeul duinn O bheul na finne sin. ’N uair thig a Bhealltainn, ’S an Samhradh lusanach, Bi’dh sinn air àiridh, Air àrd nan uchdanan, Bi’dh cruit nan gleanntan Gu canntair, cuirteasach, Gu tric gar dùsgadh Le sùrd gu moch-eiridh. ’S bi’dh ’n crodh, ’s na caoirich, ’S an fhraoch ag inealtradh, ’S na gobh’raibh bailg-fhionn, Gu ball-bhreec, bior-shuileach, Bi’dh ’n t-àl ’s an leimnich Gun cheill, gun chion orra, Ri gleachd ’s ri cómhrag ’S a snótach bhileagan. Bi’dh mise, a’s Màiri Gach lá ’s na glacagan, No ’n doire géugach Nan éunan breac-iteach, Bi’dh cuach, a’s smeòrach, Ri ceòl ’s ri caiseamachd, S’ a gabhail òrain Le sgòrnain bhlasda dhuinn G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 297] [Vol. 3. No. 38. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 23, 1895. No. 38. Litir as a’ Ghaidhealtachd. Cha ’n ’eil duine an diugh beo a chunnaic aimsir cho briagha ’s cho blàth ’s bh’ againn anns a’ Ghàidhealtachd o thoiseach an fhoghair gus an robh mios de’n gheamhradh air a dhol seachad. Cha mhòr gu’n do shil boinne uisge anns sn dùthaich eadar latha seann Liùnasdail agus latha seann Samhna. Ghabh an t-arbhar biadh agus dh’ abuich e cho math ’s a b’ urrainn duine sam bith iarraidh. Bhuaineadh agus chaoinicheadh gach feur is arbhar gun deur uisge fhaotainn. An uair a bha daoine ris an dlùthadh agus a’ togail a’ bhuntàta, bha iad a’ gearain nach b’ urrainn daibh leith obrach a dheanamh aig cho bàlth ’sa bha ’n t-sìde. Ach thainig uisge glé throm eadar Feill-Anndrais is Nollaig. Beagan roimh Nollaig thàinig da stoirm air am bi cuimhne aig mòran dhaoine fad uile laithean am beatha. Chaidh mòran shoithichean a bhristeadh mu ’n cuairt air Alba is Eirinn is Sasunn, agus bhathadh na ceudan eadar sheòladairean is iasgairean. Cha ’n ’eil cearn de ’n rìoghachd anns an lugha rinneadh de chall air tìr na Gáidhealtachd na h-Alba. Ach mo thruaighe, rinneadh bàthadh ro mhuladach ann an Leodhas. Mar a tha fhios aig mòran, bhàthadh naoi duine deug ’san aon mhadainn. Mu thoiseach na bliadhna so thòisich reothadh is sneachaa. Tha daoine aig am bheil cuimhne fhada ag ràdh nach robh a leithid de reothadh ’s de shneachda ’san rioghachd o chionn dlùth air tri fichead bliachna. Cha robh an sneachda cho trom anns na h-Eileanan an Iar ’sa bha e iomadh bliadhna o’n is cuimhne le daoine. Ach bha ’n reothadh anabarrach geur, teann ann fad ochd seachduinean. Bha am bainne a reothadh anns na mìosan. Agus mu dheidhinn an uisge, bha ’n reothadh cho geur iomadh latha ’s gu ’n tigeadh deigh air ann an dà uair an uaireadair, anns a’ bhallan an taobh an taighe! Air feadh gach cearn de ’n Ghalldachd bha na milltean air mhilltean de’n rathad-iaruinn air a thiodhlacadh fo ’n t-sneachda caochladh uaireannan o chionn ochd seachduinean. Ann an Gallthaobh bha ’n t-each-iaruinn ann an cithe sneachd fad seachduin. Theab nach fhaigheadh iad a thoirt as idir. Tha na milltean de luchd-ceairde anns gach baile-mòr gun chomas air aon char obrach a dheanamh, agus tha iad air thuar a dhol bàs le cion connaidh ’s le cion bìdh. Chuir muinntir Ghlasacho dlùth air naoi mìle punnd Sasunnach cruinn a chum an luchd ceairde agus daoine bochda eile a chumail beò gus an d’ thig an aiteamh agus an tòisich obair. Rinn bailtean-mòra eile cruinneachadh mar an ceudna. Cha robh am biadh riamh cho saor ’s a tha e am bliadhna. Gheibhear lof nan ceithir punnd air son ceithir sgillinn anns na bailtean-mòra. Cha ’n ’eil am bolle de ’n mhin fhlùir a’s grinne a thig a America ach leith-ghini. Tha am bolla de ’n mhin chorca a’s fhearr air a reic air son coig tasdain deug. Tha gach ni eile da réir sin Ach mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Am bolla air a sgillinn ’s gun a’ sgillinn ann.” Tha ’n t-airgiod cho gann anns a’ Ghàidhealtachd aig amanna ’s a tha e ann an àiteachan eile. Thàinig an aiteamh oirnn o chionn seachduin, agus tha ’n t-sìde glè bhlàth. Ach is cinnteach gu’n cuir am Mart e fhein an geill mar a b’ àbhaist dha. Ach is math an t sith fad ’s a gheibhear i. Dh’ eug Mac Leoid Dhunbheagain air a’ choigeamh latha de’n mhios so. Tha sluagh na h-oighreachd ’ga chaoidh gu mòr. Bha e, a réir mar a chuala mi glé mhath do ’n tuath, gu h-àraidh ’san àm an do ghais am buntata. Dh’ innis urra chinnteach dhomh gu ’n do chosg e aig an àm ud mòran mhilltean ri cumail suas nan daoine bochda ’bha air an oighreachd. Dh’ fhàg sin gann a dh’ airgiod e fad iomadh bliadhna o’n uair ud. Is docha nach ’eil mòran cuimhne aig cuid de ’n tuath an diugh air na rinn e de mhath dhaibh ’san àm a dh’ fhalbh. Is iomadh neach aig nach ’eil cuimhne air a’ mhath a bha. Reic am Morofhear Domhnullach pìos mòr de sgìreachd Shniosairt ri Fear Sgaeboist. Tha sinn a’ creidsinn gu ’m bi Fear Sgaeboist ’na uachdaran math mar a bha e riamh. Chaidh e air chuairt do na h-Innsibh an Ear mu thoiseach a’ Gheamhraidh. Bidh e’ tilleadh dhachaidh aig toiseach a’ mhios mu dheireadh de’n earrach. Ma thig sìde mhath ’na dhéigh so bidh am fodar pailt gu leor air feadh na dùthchadh gu léir. Bha ’n t-sìde cho math fad a’ cheud chuidh de’n gheamhradh ’s nach robh feum aig spréidh air a’ bheag a dh’ fhodar. Ged a chosgadh mòran fodair ré nan ochd seachduinean a bha an sneachda ’s an reothadh againn, tha barrachd arbhair anns na h-iodhlannan na bha annta mu ’n àm so an uiridh. IAIN. 1, 3, ’95. Sean Fhacail. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Far an tainne ’n amhuinn, ’s ann a’s mó a fuaim. Far nach bi am beag, cha bhi am mòr. Far nach bi na féidh, cha réidh an toirt as. Far nach bi nì, caillidh an righ a chòir. Feadaireachd bhan ’us gairm chearc, dà ni toirmsgt.’ Farraid air fios, farraid a’s miosa th’ ann. Fear ’am baile ’s aire as, ’s fhearr as na ann e. Leighsidh Minard’s Liniment Lòsgadh. [TD 298] [Vol. 3. No. 38. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB VIII. An uair a bha ’n t-oighre, “Seumas òg,” mar a theireadh an tuath gu cumanta ris, eadar còig deug agus fichead bliadhna ’dh’ aois, chuireadh do dh’ aon de dh’ àrd-sgoiltean Shasuinn e, a chum gu faigheadh e na bha feumail dha de dh’ àrd-fhoghlum, agus a chum, mar an ceudna, gu ’n cuireadh e greis dhe ’ùine seachad ann am measg dhaoine òga measail. fòghluimte, a bha ann an inbhe àird mar a bha e fhein. Bha buadhan inntinn glé gheur aige, agus bha e anabarrach tlachdmhor agus cuideachail ’na nàdur. Ann an ùine ghoirid tharruinn e d’a ionnsuidh fhein mòran chàirdean, araon am measg an luchd-teagaisg, agus mar an ceudna am measg nan daoine òga, a bha maille ris anns an sgoil. Cha d’ rinn e dlùth-chompanaich dhiubh idir, ged a bha e caoimhneil, càirdeil, cuideachail riutha. Bha e gu nàdurra glé fhaicleach ciod a theireadh ’s a dheanadh e. Bha iomadh aon de na chuir eòlas air a’ gabhail beachd gu robh, mar gu ’m bitheadh, gnè de theagamh aige nach bu chòir dha mòr earbsa a chur ann an neach sam bith, gus am biodh e cinnteach gu faodadh e sin a dheanamh. Ach mar a b’ eòlaiche a bha iad a’ fàs air is ann a b’ fhearr a bha iad a’ tuigsinn a nàduir. Bha fear is fear de na daoine òga a b’ eutruime ’s a b’ amaidiche a bh’ anns an sgoil maille ris, ’g a ruith sìos, a chionn nach robh e toileach a bhith ’falbh ’nan cuideachd fhein. Theireadh cuid diubh ris, nach robh tapadh no duinealas ann mar bu chòir a bhith ’na leithid; agus theireadh cuid eile dhiubh, gu robh e làn de phròis ’s de dh’ uaill ’s de dh’ aineolas, agus gu robh e ’ga mheas fhein ni b’ àirde na gach neach eile. Ach cha robh an so ach am beachdan amaideach fhein. A dh’ aindeoin na theireadh na sgaomairean truagha ud ris, cha chuireadh iad aon chuid corruich air, agus idir cha tugadh iad air a bhith ’g an leantuinn fhein. Mu dheireadh sguir iad a bhith ’toirt beuma dha. Air feasgar àraidh, ann an ceann beagan mhìosan an déigh dha a dhol do’n sgoil, thàinig dithis dhaoine uaisle, ann an éideadh glé rìomhach, thun an taighe anns an robh e. Dh’ fheòraich iad gu caoimhneil, an robh e staigh, agus cia mar a bha e. Dh’ iarradh a steach iad do ’n t-seòmar anns an robh e ’na shuidhe aig a chuid leabhraichean. Dh’ éirich e ’na sheasamh agus chuir e fàilte orra, agus dh’ iarr e orra suidhe. Gun dàil sam bith labhair fear dhiubh mar so:—“Tha mise an dlùth dhàimh dhut, agus ghabh mi de dhànadas tighinn far am bheil thu, a chum eòlas a chur ort. Cha ’n ’eil fhios agam an cuala tu mòran riamh mu’m dheidhinn. Ach ma chuala tu idir guth orm, is cinnteach nach cuala tu a bhith g am mholadh. Is mise Tearlach Ros, mac bhràthar do sheanar. Bhithinn a’ caitheamh greis de’m ùine, mar bu trice gach bliadhna, ann an Taigh na Coille, gus an do phòs d’ athair. Chaidh mi fhein ’s e fhein gu dubh thar a’ chéile. Bha esan cho glic ’s cho math ’na bheachd fhein ’s nach cuireadh e suas le m’ chainnt ’s le m’ dhòighean-sa idir. Is fhada o’n a bha dùil agam a dhol a dh’ aon ghnothach a dheanamh réite ri d’ athair, agus a dh’ ùrachadh an t-seann eòlais a bh’ agam air tuath na h-oighreachd. An uair chuala mi gu robh thusa an so, chuir mi romham gu ’n cuirinn eòlas ort gun dàil sam bith. Thàinig mo dheadh charaid, Tomas Taillear, a chur fàilte agus furain ort, agus bidh e ’na dheadh charaid dhut ri ’bheò.” Dh’ éisd “Seumas og” gu stòlda ris na thuirt a charaid, agus thuirt e riutha le chéile, gu robh e ro thoilichte gu ’n do thaghail iad air. Thuirt e mar an ceudna, nach cuala e ’athair riamh a’ toirt an iomraidh bu lugha gu robh aimhreit no eas-aontachd sam bith eatorra. Gun dàil sam bith thug “Seumas òg” òrdugh biadh a dheanamh deas dhaibh, ach thuirt iad ’n an dithis ris á beul a chéile, nach robh ùine aca gu fuireach ri biadh, ach gu ’n gabhadh iad deoch uaithe, ma thachair deoch a bhith deiseil d’ a làimh. Thuirt e riutha, nach robh e mar chleachdadh aige a bhith ’tairgse deoch làidir d’ a chàirdean, no idir a bhith ’g a gabhail e fhein. An uair a chuala iad so dh’ éirich iad gu falbh. Ach mu’ n do dhealaich e riutha aig an dorus, dh’ àithn is dh’ earb Tomas Taillear ris e bhith cinnteach gu rachadh e dh’ amharc air an ùine gun bhith fada. Gheall “Seumas òg” so a dheanamh. Ged a chum iad orra fhein, bha iad glé mhi-thoilichte ’nan inntinn a chionn nach d’ fhuair iad deoch làidir. Ghabh iad dìreach gu ruige aon de na taighean-òsda ’bu mhò a bh’ anns a’ bhaile. Ghrad dh’ iarr iad branndaidh, agus an àm a bhith ’g a h-òl bha ’n comhradh a leanas eatorra. “Tha eagal orm, a Thomais, nach bi am beadagan ud cho furasda ’chur as an rathad ’s a bha sinn an dùil. Tha e ro ghlic. Cha ’n òl e deur, agus tha amhrus agam gu bheil e car fad ás ’na nàdur. Nan òladh e beagan fhein cha bhiomaid fada ’ga thoirt bhar a chas. Ach feumaidh sinn a bhith glé chaoimhneil agus glé fhoighidneach ris, ar neo cha ’n fhaigh sinn greim idir air. Is gann a tha mi ’creidsinn nach cuala e ’athair ’g am’ chàineadh-sa.” “Leig thusa eadar mise ’s e, a Thearlaich. Ma ghabhas e idir deanamh, cuiridh mise lìon m’ a chasan a chumas an sàs e ri bheò: ach gu dearbh cha bhithinn deònach làmh a bhith agam ’na bhàs. Tha coltas cho sèimh, neo chiontach air. Nach coma leatsa ged a bhiodh e beò, ma thèid agamsa air a chur far nach cuir e dragh sam bith ort. Tha ’n dòigh air am bheil thusa ’g iarraidh cùisean a bhith air an deanamh, tuilleadh is cosgail. Gabh thusa beachd air cho làidir, slàn ’s a tha e. Rud eile dheth, tha e cho stòlda na nàdur ’s gu faod e bhith toilichte gu leòr anns an taigh-chuthaich, ged a bhiodh e ann dà fhichead bliadhna. Nam bu duine òg e, a bhiodh eutrom, déidheil air spòrs is aighear is feala-dha, mar a chunnaic mise daoine òga, cha b’ urrainn da a bhith fada ’s an taigh-chuthaich gur an rachadh e buileach glan thar a bheachd. Ach smaoinich thusa air an duine ’th’ agad. Tha e ’na shuidhe an sid aig a chuid leabhraichean a cheart cho stòlda ’s ged a bhiodh e leith cheud bliadhna dh’ aois. Tha mi ’creidsinn gur gann a gheibheadh tu fear eile dhe sheòrsa a shuidheadh cho stòlda ris ’na sheòmar air a leithid so de dh’ fheasgar briagha. Is docha nach do ghabh thusa beachd cho geur air ’s a ghabh mise. Fhad ’s a bha thusa ’labhairt ris, bha mise mar a b’ urrainn domh a’ feuchainn ri dheanamh a mach co dhiubh a tha e furasda ri ’thoirt a thaobh gus nach ’eil. Is e mo bharail gu bheil car do dhroch amhrus aige, cha ’n ann a mhàin ormsa agus ortsa, ach air gach neach eile air nach ’eil e eòlach. [TD 299] [Vol. 3. No. 38. p. 3] Bha e ag éisdeachd mar gu ’m biodh siorram, an uair a bhiodh fianuisean ’g an ceasnachadh ’na làthair. Tha inntinn gheur, làidir aige, ar neo tha mise gu mòr air mo mhealladh. Dean thusa do thoil fhein, Faodaidh mise bhith coma, aon uair ’s gu faigh mi mo chuid fhein de ’n obair as mo làmhan, ciod a thachras dhasan agus dhutsa ’na dhéigh sin. Ach air a shon sin, bu mhath leam nach biodh ath-deanamh air obair sam bith anns an cuirinn mo làmh.” “Cuiridh an doctair beag a cheann ’na bhoil, ma gheibh e aon uair ’na ìnean e. Théid aige air gu leòr a bha aon uair glé stòlda ’s a’ cheann, a chur na breislich leis na fùdair bheaga a bhios e ’cur anns a’ bhiadh agus anns an deoch dhaibh.” “Ma ni an doctair beag sin, pàighidh tusa glè dhaor dha air a shon. Ma bheir thu dhomhsa an dara leith de’n t-suim a bhios an doctair beag ag iarraidh, cuiridh mi an t-òganach ud a dh’ àite anns nach cuir e dragh ort fhein no air neach eile gu bràth.” “Cha gheall mi sin dhut idir. Ged a bhiodh toil agam còrdadh a dheanamh riutsa, tha amhrus agam gu bheil an còrdadh a rinn mi ris an doctair cho daingean ’s nach bi e furasda dhomh a bhristeadh.” “Stad ort tiotadh beag gus an cunnt mise dhut na dh’ fheumas tu ’phàigheadh do ’n doctair. Anns a’ cheud dol a mach feumaidh tu deagh shuim a ghealltainn dha air son e dh’ fhuireach sàmhach mu ’n chùis. Feumaidh tu pàigheadh a thoirt dha air son an cuthach a chur air an duine òg, agus air son a chumail air a’ chuthach fhad ’s a bhios e beò. A rithist, feumaidh tu sùim àraidh a thoirt dha air son an duine òg a chumail ann am biadh ’s an aodach, agus mar an ceudna air son a ghleidheadh gu cùramach anns an taigh-chuthaich. Agus cuimhnich thusa air so: cha leig an doctair leis bàs fhaotainn ann an aithghearr, ma dh’ fhaodas e. Mar is fhaide a bhios e beo is ann is fhearr a phàigheas e dhasan. Agus a bharrachd air so gu leir, cha ’n ’eil e sàbhailte dhut e bhith anns an rìoghachd so idir. Tha ’n lagh a nis air fas cho cruaidh s nach ’eil e idir furasda a bhith suas ris.” “Cha ’n ’eil fhios agam nach ’eil thu ceart fhathast. Thig a h-uile rud a bhios ann gu mòran airgid air a’ cheann mu dheireadh. Agus an déigh a h-uile car, faodaidh e bhith gu faighear a mach an obair a th’ againn. Ma gheibh, bidh sinn gu léir fo na casan. Ach ciod an dòigh a tha thu ’saoilsinn air an fhearr air an ghabh an gnothach deanamh?” “Innsidh mi sin dhut. Biomaid gu ceann beagan mhìosan cho caoimhneil agus cho càirdeil ris an óganach ’s a ghabhas deanamh. Agus ma tha amhrus sam bith aige nach ’eil e sàbhailte dha earbsa ’chur annainn, tuigidh sinn sin gun dàil, agus an uair sin, feuchaidh sinn ri greim a dheanamh air a dheòin no ’dh’ aindeoin. Bheir sinn an aire ciod a their agus a ni sinn fhad ’s a bhios sinn na làthair. Bheir sinn cuireadh is cuireadh dha araon gus a dhol gu dinneir maille ruinn, agus mar an ceudna gus a dhol a dh’ fhaicinn ioghnaidhean do chaochladh àiteachan air feadh na rìoghachd. Bidh mise a’ labhairt aig gach àm anns am bi e ’nar cuideachd, mar gu ’m bu mhi marsanta cho mór ’s a th’ anns an rìoghachd, agus mar gu ’m bu leam móran de na soithichean a tha ’seòladh do na rìoghachdan thall. Bidh tusa ’labhairt, mar gu’m bu tu aon de na h-uachdarain a th’ ann an taobh deas Shasuinn. Agus an uair a thig mo sheana charaid, sgiobair na Dubh-Ghleannaich, dhachaidh a ceann-a-deas America, cuiridh mi fhein ’s e fhein ar cinn ri ’chéile, agus an uair a bhios e tilleadh air ais, gheibh sinn an t-òganach a chur gu bog, balbh air bòrd. Reicidh an sgiobair e mar thràill air son deagh shuim, agus cha chluinn thusa no mise guth no iomradh air gu bràth tuilleadh. Cha ’n àithne dhomhsa aon dòigh eile air an fhearr air an tèid againn air a chur as an t-sealladh na so.” (Ri leantuinn.) Uirsgeul. Bha Domhnull agus a ghoistidh, Iain, a’ falbh còmhla do’n bháile mhòr, agus sùil gu ’n d’ thug Iain air an rathad, chunnaic e sporan làn ’us teann ’n a laidhe aig a chasan. Thog e e, agus thubhairt Dòmhnull, “a chiall nach gasd a thachair dhuinn.” “Dhuinn!” ars’ Iain, “cha mhath a labhair thu; ’s ann dhomhs a tha an tachdair,” agus chuir e an sporan càirtidh ’n a sporan molach fhéin. Cha dubhairt Dhomhnull diog, agus chaidh iad air adhart gu balbh, tosdach, gus an d’ ràinig iad coille mhòr. An seo ghabh na robairean fàth orra, agus thuirt Iain “mo thruaighe! tha sinn ’an eiginn n’ ar dithis.” “N’ar dithis!” arsa Dhomhnull, “tha thus’ a d’ aonar ann,” agus thàrr e às troimh ’n choille, ach bha Iain air chrith cho mòr leis an eagall ’s nach b’ urrainn dha teicheadh Rug na ceatharnaich air agus thug iad uaithe an sporan ’s a chuid airgiod fein maille ris. Mar bha e air an àm sin, bithidh e a rithist,—am fear nach cuidich le càch an uair a bhitheas am pailteas aig, is docha gum bi e gun charaid ’n a dheuchainn féiu. GALL-GHAIDHEAL. Is e fiachan a’s miosa na bochdain. Am fear air nach ’eil fiachan tha e beairteach gu leor. Is e bhith toilichte le beagan, saoibhreas a’s fhearr is urrainn a bhith aig duine. Is e deadh bhean agus deadh shlàinte saoibhreas a’s fhearr is urrainn a bhith aig duine. Ged a tha airgiod ’na dheadh sheirbhiseach, cha ’n ’eil ann ach am fìor dhroch mhaighstir. Am fear air am bheil nàire air son a bhith bochd, bhiodh e glé uaibhreach nan robh e beairteach. Cha ruigear a leas an seann sionnach ionnsachadh. Is fhad o ’n a bha fhios aige air mar bu choir dha e fhein a ghluasad. Cho fad ’s gu ruith am madadh-ruadh, beirear air mu dheireadh. Faodaidh an t-olc a dhol gu math fad air aghaidh, ach thig e gu follais air a’ cheann mu dheireadh. Am fear aig am bheil saoibhreas tha meas air, cha ’n ann a chionn gu bheil nàdur math aige, ach a chionn gu bheil saoibhreas aige. Cha ’n ann mar so bu choir do ’n chùis a bhith. Is minic a thuit na craobhan daraich, ged is làidir iad, leis an stoirm nach do chur dragh mor sam bith air na craobhan seilich. An uair a thig droch phrìsean agus tiomannan cruaidhe, is e ’n duine aig am bheil crodh is caoraich gu leor is docha call mor fhulang ’n an duine bochd. [TD 300] [Vol. 3. No. 38. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MART 23, 1895 A reir gach coltais, tha ’n cogadh aig Sina us Iapan a teannadh gu crich. Tha iad fhathast ag obair ach a tha armailtean Iapan a’ sior bhuadhachadh, agus tha Sina a’ fàs na’s laige gach latha. Tha sùil coinneamh a bhi aca ’n ùine ghoirid, ’s cha’n eil teagamh nach téid aca air tighinn gu còrdadh. Tha na paipearan Albannach a ráinig sinn air an t seachdain so a’ toirt dhuinn sgeula báis Professor Blackie. Tha ionndrain mhor air air Gàidhealtachd ’s air Galldachd, agus bu mhath a choisinn e sin. Bu duine e cho measail ’s cho comharraichte ’sa bha ’n Albainn air fad, agus cha’n eil teagamh nach ruith ioma bliadhna ’s linn seachad mu’n àraich. Tir an Fhraoich a leithid a rithist. Bu shàr sgoilear e, agus eolach air ioma cànainn. Bha meas mor aige air a’ Ghreigeis, agus bha e ’ga teagasg anns an oil-thigh ’an Dunéideann. Ged nach bu Ghàidheal e, cha robh duine beo ri ’linn a rinn uiread de dh’ fheum do thir nan Gàidheal, do na Gàidheil fhéin, agus d’ an cànain. Dh’ ionnsaich e cainnt aosda, bhlasda nam beann agus ghabh e meas mor oirre, ’nuair bha moran a’ meas nach robh a’ Ghàilig ’na cainnt a b’ fhiach a bhi stri rithe. Chruinnich e tri mile deug punnd Sasunnach air son Cathair Ghàilig a chur air chois ann an Dunéideann. Cha do leig e seachad cothrom riamh air na Gàidheil earralachadh a thaobh an dleasnais d’ an duthaich agus d’ an cànain. Chaill iad caraide dileas, blàth, nuair thug am bàs air falbh e. A Framboise. Cha ’n ’eil moran naigheachdan agam dhuit san am so ach naigheachd a dh’ fhaodas tu a chluinntin gach latha. Tinneasan, is bàis dà ni leis a bheil an t-àite so air fhiosrachadh gu tric air a gheamhradh so. Chaochail dithis ’s an áite so air an t-seachduinn s’a chaidh, Domhnull Domhnullach 19 bliadhna a dh-aois, agus Màiri, bean Alfred Mellsher, a thàinig do’n aite so á Boston air an t-samhradh s’a chaidh. Is math dhuinn e bhi againn r’a innse gu bheil a nis againn side bhriagha, bhlàth, ged a bha mios Februaraidh anabarrach stiormeil agus sneachdaidh. Cha ’n fhaca duine a tha beò an duigh a leitheid de dhoimhneachd sneachda ’s an àite so, mur aon robh bho chionn tri bliadhna deug, ris an can iad fhathast, “Bliadhna ’n t-sneachda mhòir.” Bha na ròidean cho diorbh ’s nach d’ fhuair am ministeir thugainn á Loch Lomond fad a mhios. ’S ’nuair a thàinig e, bha ’n sneachda cho domhain ’s nach b’urrainn d’ a each a thoirt leis ’s b’éiginn da coiseachd astar da mhile dheug. Saolidh sinn ’nuair chlinneas sinn seo, gur airidh am fear oibre air a lòn. Tha mi saolsinn gu’m bi biadh spréidhe gu leòr againn air an earrach so. Cha chluinn mi duine ’ga ghearain fhathast co dhiu, agus a chionn nach bi moran de’n earrach air chùl chàisg, air réir breithneachadh an t-seann duine, tha sinn an dòchas nach lean an dùdheachd dhuinn ro fhada, ged nach urrainn spréidh dad a’ dheanamh ’air an son féin roi’ ’n fhicheadamh latha na eadhon mios de’n t-samhradh. Fhuair fear Calum Mac Leoid eun marbh an la roimhe a bha anabarrach neònach ri ’fhaicinn, san àite so; bha e ann an cumadh is ann am meudachd cosmhuil ri coilleach tighe; bha a cheann is ’amhach le itean geala a coimhead nàdurrach gu leòr, ach bha a chuid eile dheth air a chomhdch mar gu’m biodh le cotan na le clòimh mhin dhubh; bha ribean dubh sioda air a cheangal mu ’amhaich; bha na casan air anabarrach fada a coimeas ris a chòrr. Bha eagal air Calum a laimhseachadh, agus ’se feadhainn eile a chaidh ga iarraidh. Cha ’n fhaca duin’ a chunnaic e a letheid riamh, agus air réir coslas cha buinneadh e do ghné eunlaith na duthcha so idir. CEANN-LIATH. Mar. 18, 1895. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 301] [Vol. 3. No. 38. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha fèill mhòr each gu bhi ann nn Tororto fad thri latha air a mhios s’a tighinn, a’ tóiseachadh air an ochdamh latha deug. Cha robh féill cho mòr dhe’n t-seòrsa ann an Canada fhathast. Chaidh each a bhàthadh aig a Bhras d’Or Bheag air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e aig triùir ghillean a bha ’dol adh’ ionnsuidh an Eilein Mhoir, agus faisg air an drochaid, bhrist an deigh fodha. Cha robh ann ach gu’n d’ fhuair na gillean iad fhéin a shàbhaladh. Chaidh each us sleighe ghoid as an Eilein Mhòr air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh am meirleach a lorgachadh a dh’ ionnsaidh na Méinn Uire (Reserve) agus fhuaireadh àn t-each ’s an t-sleighe ’an sin, ach cha d’ fhuaireadh greim air an fhear a thug leis iad fhathast. Bha coinneamh eile aig muinntir a bhaile Di-màirt s’a chaidh, agus dh’ aontaich iad cead a thoirt do’n bhàillidh ’s do na comhairlichean deich mile dolair a ghabhail an iasad, tri mile air son na h-obair-uisge, ceìthir mile gu leth air son seann fhiachan a phàigheadh, agus da mhile gu leth air son cabhsairean a chur ris na sràidean. Di-ciaduinn s’a chaidh bha ’n latha ’s an oidhche ’san aon fhad. Tha ’n latha nise fàs na’s fhior fhaide, agus an oidhche fàs na’s fhior ghiorra. Tha ’n t-side a’ cumail gu math fuar, agus cha d’ thàinig isleachadh ro mhor air an t-sneachda fhathast. Bha ’n geamhradh car fadalach a tighinn, agus dh’ fhaoidte gu’m bi an samhradh air an aon dòigh. Chaidh duin’ òg a ghlacadh ann an Cuibeic an la roimhe air àmhrus gu robh e spùilleadh litrichean airgid. Chaidh an tigh aige ’rannsachcdh, agus fhuaireadh da cheud deug dolair am falach ann am bocsa. Bhatar ag ionndrain airgid o chionn dha no tri bhliadhnaichean, ach cha robh fhios dé ’n taobh a bha e dol gus ’n do leagadh àmhus air an fhear so. Tha ’n dotair Buchanan a bha air a dhiteadh ann an New York an uiridh air son a bhean a phuinnseanachadh, gu bhi air a chrochadh an ùine ghoirid. Thugadh a mach binn a chrochaidh mu’n àm a chaidh a dhiteadh, ach fhuair an luchd-lagha dáil a chur anns a chùis, ’àn dòchas gu faigheadh iad a thoirt saor. Ach cha deachaidh sin leotha, agus tha e gu bhi air a chur gu bàs. Tha tinneas neònach air bristeadh a mach a measg nan each ann a’ Halifax, agus tha na dotairean a’ deanamh dheth gur e nàdar dhe’n bhric a th’ ann. Tha e ’bualadh cuid dhiu mu ’n bheul, cuid mu na casan, agus an àiteachan eile. Tha e tigh’nn a mach orra ’na sheórsa de bhroth no na bhuilgeanan beaga. Tha e glé ghabhaltach; cha n-e mhàin gu’n gabh na h-eich fhéin e bhar a chéile, ach mur bi na daoine bhios ’g am frithealadh gle fhaicealach, gabhaidh iadsan e cuideachd. Tha duine no dha tinn leis aig a cheart àm so. Bha ’n euslaint cheudna ann am Montreal ’sa bhliadhna 1878. Bha réis each air deigh na h-acarsaid Di-sathairne mar a bha iàd ’an dùil. Bha còig eich a’ ruith. Choisinn each an Dotair Fhriseil, Port Morien, a cheud duais, each ’Ic-a-Phearsain, Glace Bay, an darra duais, agus “Nellie Bashaw” á Port Hawksbury, an treas duais. Cha robh an deigh idir cho math ’sa dh’ iarrte air son réis. Tha réis eile gu bhi aig Sidni Tuath feasgar an diugh, ma bhios gach ni freagarrach. Tha soitheach ùr gu bhi ’ruith eadar Pictou ’s cladach an iar an eilein so air an t-samhradh s’a tighinn. ’Se “Weymouth” is ainm dhi, agus cha n-eil ach mu cheithir bliadhna o’n chaidh a togail. Bidh i ’taghal air gach turus ann am port no dha an siorrachd Antigonish, agus ann am Port Hood, Mabou, Margaree, Cheticamp. agus am Pleast Bay. Cha n-eil i uiread ris an t-soitheach a bha air an astar cheudna an uiridh. Bidh coinneamh aig luchd na stuaime ann an tigh na cùrtach ’am Baddeck feasgar Di-màirt (an 26mh) aig lethuair an deigh seachd. Dh’ ainmich sinn air an t-seachdain s’a chaidh gu’m biodh a choinneamh aca feasgar Di-aiaduinn. Cha n-eil an ùine glé fhada o’n bha Baddeck ainmeil air son cho pailt ’sa bha ’n deoch làidir ’ga reic ann, ach an diugh cha n-fhaighear duine eadar da cheann a bhaile a dh’ aidicheas gu bheil e ’ga chumail. Tha iad ag ràdh gu bheil muinntir Vancouver, B. C., a’ dol a theagasg dannsa anns na sgoilean an deigh so. Tha iad a’ deanamh dheth gu bheil a bhi ’cumail nan sgoilearan tuilleadh us dian ri ’n cuid leasain gle chuingeil orra, agus ’g am fàgail na’s buailtiche do thinneas. ’S ann, mar sin, air son an slàinte, tha ’n dannsa ri bhi air a theagasg dhaibh. Thatar ag ionnsachadh dannsa dha na sgoilearan ann am baile New York o chionn àireamh bhliadhnachan. Toimhseachan. Tha mac ann, ’s cha d’ rugadh e, Is mac e, ’s cha bheirear e, Cluinnear e, ’s cha labhair e, Bruidhinn ris, ’s gu freagair e, Gairm air, is bheir thu e G’ ad ionnsuidh a nall. Tháinig an toìmhseachan so na h-uile ceum a Alba. Cò a dh’innseas ciod a tha e ciallachadh? Bidh freagairt anns an ath aireamh. Tha dithis dhaoine, Iain Hendershott, agus Iain Welter, ri bhi air un crochadh ann an St. Thomas, an Ontario air an ochdamh latha deug de dharra mios an t-samhraidh, air son mac bràthar do Hendershott a mhort a’s t-samhradh s’a chaidh. Bha airgiod-urrais aig Hendershot air beatha ’n fhir a mharbh iad, agus bha Welter gu nighoan Hendérshott a phòsadh. Rinn iad suas ri chéile agus chuir Welter crioch air anns a choille far an robh iad a leagadh chraobh. Dh’ fheuch iad ri dheanamh mach gu’m b’ ann le craobh a thuiteam air a mharbhadh e, ach dh’ fhairtlich sin orra, agus tha iad a nise anns a phriosan, a feitheamh gu bhi air an duaiseachadh air reir an cionta. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 302] [Vol. 3. No. 38. p. 6] PARA PIOBAIRE. NAIDHEACHD EIRIONNACH. (Air leantuinn.) An uair thainig a’ mhadainn, arsa m’ athair rium fhein, “Falbh a mach an bhà-thigh, a Sheumais, agus abair ri Paruig bochd tighinn a stigh a chum ’s gu ’m faigh e cuid d’ an bhuntata; is neonach leamsa mur ’eil an t-acras air roimhe so.” A mach an bhà-thigh ghabh mr agus ghlaodh mi am piobaire air ’ainm, ach smid fhreagairt cha d’ fhuair mi. Ghlaodh mi a rithist ’s a rithist ach facal cha chualas. “An ainm an àigh, a Pharuig,” arsa mise, “c’ aite bheil thu?” Sheall mi shios a’s shuas ach mir de Paruig cha robh agam. Mu dheireadh, faicear, thar leam, a dha chois am measg na conlaich. “Fhir mo chridhe,” arsa mise, “is tu tha toigheach an oisinn bhlath; mui ’eil thu an deigh thu fhein a tholladh a stigh anns a’ chonlaich cho seasgair ri deargainn ann am plaide! ach cuiridh mise stad air do chuid bruadar.” Le so rug mi air chaol da chois air—mar shaoil mi fhein—thug mi an spionadh sin air, an uair a dh’ fhalbh mi an comhair mo chul, ceann thar thulchainn, anns an inne. An uair a thainig mi gu seorsa mothachaidh bha mi am laidhe air leud mo dhroma agus da rud am lamhan coltach ri paidhir dhagaichean—agus ’bheil fhios agad nach mor nach do chaill mi sealladh nan sul an uair a chunnaic mi ’d é bh’ agam; dà chois duine mhairbh! Thilg mi bhuam iad mar gu ’m biodh iad r’a theine; thug mi duibh-leum asam, agus ghlaodh mi mort a’s milleadh. “O, a bhana-mhortair gun iochd,” arsa mise, ’s mi maoidheadh mo dhuirn air a’ mhart—“O, a bheist mhi nadurra, dh’ ith thu Paruig bochd, a bhruid gun mhathanas; is miosa thu na na daoine dubha;—agus, an droch bhàs ort, nach tu bha àilgheasach an uair nach foghnadh dhuit gu d’ shuipeir ach an t-aona phiobaire b’ fhearr eadar da cheann na rioghachd! Mo thruaigh sinn uile! ciod a their an duthaich gu leir ri ’leithid de mhort mi chneasda? agus thu an sin a’ sealltainn cho seimh, neo-chiontach ri uan, agus a’ cnàmh do chir mar nach biodh sion air tachairt.” A mach ghabh mi, oir gu cinnteach mheas mi gu ’n robh mi fada gu leoir an cuideachd na béist. Thug mi an tigh orm agus dh’ innis mi dhaibh gach ni mu ’n chuis. “Cuist, cuist,” arsa m’ athair, “cha ’n urrainn da sin a bhi fior.” “Cha ’n ’eil facal breige ann,” arsa mise. “An e gu ’n d’ ith am mart Para piobaire?” ars’ iadsan. “Mar is beo mi, cha ’n ’eil facal agam ach smior na firinn; cha d’ fhag an t-ainmhidh gun iochd mir d’ an Phiobaire ach a dha chois ’s a bhotainnean.” “Agus an d’ ith i a phiob cuideachd?” arsa mise. “An droch bhàs air a’ bheist,” ars’ esan, “nach ann aice bha an déigh air ceol.” “A nis,” arsa mo mhathair, “na mallaich a’ bho a tha ’toirt bainne do ’n chloinn.” “Mallaichidh mi,” “c’ arson nach mallaichinn a leithid a bheist mhi-nadurra? Cha bhi i na ’s fhaide agamsa; cuiridh mi a dhionnsaidh na faidhreach i gun tuilleadh dàlach, agus reicidh mi i air ciod sa bith tairgse ’gheobh mi. Gabh air falbh, a Sheumais,” ars esan, “cho luath ’s a ghabhas tu greim bidh, agus thoir leat i thun na faidhreach,” “Ma ta a dhinnseadh na firinn,” arsa mise, “b’ fhearr leam aon-eigin eile ’dhol leatha.” “Cuist,” ars esan, “agus na dean amadan diot fein.” Is ann da-rireadh a tha mi,” thuirt mi ris; “is sibh fein a b’ fhearr a bheireadh an aire dhi na mise.” Tha ’n gnothach gu math,” ars’ “cha ’n eil fhios agam c arson a bhithinn a’ gleidheadh coin ma dh’ fheumas mi fhein an tathunnaich a dheanamh; na cluinneam facal tuilleadh, ach tog ort leatha, ’s na faiceam ceann no crodhan di tuille.” Air falbh ghabh sinn, fada an aghaidh mo thoil, creid mi; cha robh tlachd sam bith agam a bhi mar fhad na laimhe do ’n bhruid neo-chneasda. Ach coma co dhiubh, ghearr mi cuaille laidir, fada, de bhata, los gu ’n rachadh agam air a’ bhanasgail mhortail iomain gun a bhi dluth dhi idir, idir. Mar bha sinn a’ gabhail an rathaid bha an sluagh a’ dumhlachadh a dh-ionnsaidh na faidhreach. “Madainn mhath dhuit, ’ille oig,” arsa duine rium ’s an dol seachadh, “is math coltas a’ mhairt a tha thu ag iomain.” “Tha i,” arsa mise, “cho math r’a coltas,” am Freasdal ’thoirt mathanais dhomh, is dona thainig e ri m’ chridhe facal math a radh as a leth. “A bheil thu dol g’ a reic?” ars’ esan. “Tha,” fhreagair mi. “Ciod tha suil agad a gheobh thu air a son?” dh’ fheoraich e. “Ma ta, cha ’n ’eil fhios agam,” thuirt mi—rud a bha fior gu leoir, chionn bha mi ann an seorsa imcheist mu ’n bhruid mhosaich uile gu leir. “Is boidheach an gnothach dhuit a bhi dol gu margadh,” ars’ esan, “’s gun fhios agad ciod is fhiach do chuid feudail.” “O,” arsa mise—’s gun toil agam amharus a bhi aige gu ’n robh beud air a’ mhart—“cha bhi fios aig neach ’d é gheobh e gus an ruig e an fhaidhir ’s am faic e ciod na prisean tha dol. “Ceart gu leoir,” ars’ esan, “ach na ’m faigheadh tu tairgse mhath m’ an riugeadh tu an fhaidhir idir, nach gabhadh tu rithe?” “Gun teagamh,” arsa mise. “Ciod tha thu ag iarraidh oirre ma ta?” ars’ esan. “Cha bu mhath leam a bhi mi-reusanta,” thuirt mi ris—oir, a dh-innseadh na firinn, bha mi toileach a bhi reidh ’s i—“gabhaidh mi ceithir puinnd Shasunnach air a son, ’s cha gabh mi peighiun na ’s lugha na sin. “Cha chréid mi,” ars’ esan, “nach ’eil i saor gu leoir; ach cha eagal orm gu bheil rudeigin cearr oirre; cha ’n ann air an t-suim sin a reiceadh tu mart-bainne a coltais na ’m biodh i gun choire. “Gu dearbh,” arsa mise, “air m’ fhacal, tha i math gu bainne.” “Theagamh,” ars esan, “gu ’n deachaidh i bharr a bainne—a bheil i air son a bidh?’ “Moire, ’s i th’ air son a bidh!” fhreagair mi, “cha ’n ’eil a leithid eile air uachdar na cruitheachd, is i mo bharail; bheir mi mo mhionnan gu ’n ith i.” “Cha ’n ’eil duil agam gu ’n gabh mi an dràst i,” ars’ esan; “feithidh mi gus am faic mi cia mar theid do ’n mhargadh.” “Tha mi toileach,” arsa mise, a’ gabhail orm a bhi caoin-shuarach, ach air chinnt bha seorsa amharuis agam gu ’n robh daoine ’faicinn rud-eiginn mi-chneasda ann an aogas na beist, agus nach faighinn bharr mo lamhan idir i. Mu dheireadh raiuig sinn an fhaidhir, agus b’ e sin an sealladh gun a leithid—shaoileadh tu gu’n robh an saoghal uile cruinn air an aon fhaiche, gun ghuth air gach riomhaidh eile ’bh’ ann. Bha bùithean an sin anns am faighteadh an deoch a b’ fhearr, agus na fidhlean a’ cluich a chur spreigidh anns na cailleagan agus anns na gillean oga; ach chuir mi romhan nach gabhainn gnothach riu gus am faighinn saor ’s a’ bheist mhosach a bha air mo churam; uime sin dh’ iomain mi stigh i gu teis-meadhoin na faidhreach. Ach, a mhic chridhe, mar a bha sinn a’ dol seachad air dorus aon de na bùithean, sheid piobaire air chor-eigin suas port-dannsaidh, agus m’ an abradh tu [TD 303] [Vol. 3. No. 38. p. 7] “Deis-de’ bha ’h-earball a suas agus thug i an roid sin aisde a dh-ionnsaidh a’ bhuth. “O, mort a’s marbhadh!” arsa mis ris na bha m’ an cuairt, “cumaibh oirre, cumaibh oirre—dh’ ith i aona phiobaire an diugh cheana, agus an droch bhàs oirre tha i air son fear eile bhi aice.” “An e gu ’n d’ ith mart piobaire?” arsa fear dhiubh. “Gun fhacal breige, dh’ ith,” arsa mise, “oir chunna mi fhein a chorp ’s gun mhir a lathair dheth ach an da chois; cha ’n ’eil ann ach amaideachd dhuinn a bhi strith ris a’ ghnothach a cheiltinn: tha mi faicinn nach gabh i cur bho ’n chleachdainn—mar is daor tha fhios aig Para piobaire bochd—mo bheannachd as a dhéigh!” “Co tha ’n sin a’ luaidh air m ainm-sa?” ghlaodh fear-eigin lamh rium; agus, an uair a thionndaidh mi m’ an cuairt, co bh’ ann, a reir coltais, ach Para piobaire e fhein. “Beiribh air san cuideachd,” arsa mise, “cumaibh uam e, oir cha ’n e fhein a th’ ann idir, ach a thannas; chaidh a mhort an diugh ’s a’ mhadainn, do m’ dhearbh fhiosrachadh fein, ’s cha d’ fhagadh oirleach dheth ach a chasan.” An uair a chuala Paruig sin—oir is e fhein a bh’ ann, mar fhuair sinn a mach a rithist—cha mhor nach do sgain e a’ gaireachdaich; agus an uair a lasaich air, thoisich e agus dh’ innis e dhuinn gach car, mar dh’ innis mise nis; agus na ’n cluinneadh tusa ’n fhochaid a bha ’n sin ormsa, air son bhi cur air a’ bho bhochd gu ’n d’ ith i am piobaire. Chaidh sinn a stigh do ’n bhuth s dh’ ol sinn fad-shaoghal do Pharuig ’s do ’n mhart; chluich Paruig an latha sin air dhoigh a thug barr air na chluich e riabh; agus is iomadh aon a thuirt nach cualas a leithid riabh roimhe no ’n a dheigh. Chaidh am mart neo-chiontach, bochd ’iomain dachaidh a rithist agus is iomadh latha math a bha aice fein agus againne ’n a dheigh.—Cha di-chuimhnich mi gu brath mu ’n mhart a dh’ ith am piobaire! Eadar. le I. B. O. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Leighsidh Minard’s Liniment ri reic ’s gach àite Tha so air a chumail do C. B. TRAVIS, SIDNI, C, B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 304] [Vol. 3. No. 38. p. 8] Cuachag nan Craobh. LE UILLEAM ROS. Chuachag nan craobh, nach trua’ leat mo chaòi’ ’G osnaich ri òidhch’ cheothar— Shiubhlainn lem’ ghaol, fo dhubhar nan craobh, Gu’n duin’ air an t-saoghal fheòraich, Thogainn ri gaoith am monadh an fhraoich, Mo leabaidh ri taobh dòrain— Do chrùtha geal caomh sìnte ri m’ thaobh, ’S mise ga’d chaoin phògadh. Chunna’ mi féin aisling, ’s cha bhreug, Dh-fhag sin mo chrè brònach, Fear mar ri té, a pògadh a beul, A brìodal an deigh pòsaidh, Dh’ ùraich mo mhiann, dh’ath’rich mo chiall, Ghul mi gu dian, dòimeach, Gach cuisle agus féith, o iochdar mo chléibh Thug iad gu leum co’-làth! Ort tha mo gheall, chaill mi mo chonn, Tha mi fo throm chreuchdan, Dh’ aisigeadh t-fhonn slainte dom’ chom, Dhiuchdadh air lom m’ éibhneas, Thiginn ad dhàil chuirinn ort failt’, Bhithinn a ghraidh reidh riut— M’ulaldh ’s mo mhiann, m’ aighear ’s mo chiall, ’S ainnir air fiamh gréin’ thu! Thuirt mi le d’ ghath, mhill thu mo rath, Striochd mi le neart dòrain Saighdean do ghaoil sàit’ anns gach taobh, ’Thug dhiom gach caoin co’-lath, Mhill thu mo mhais, ghoid thu mo dhreach, ’S mheudaich thu gal bròin dhomh; ’S mar fuasgail thu trà, le t-fhuran ’s le t-fhailt’ ’S cuideachd am bàs dhomh-sa. ’S cama-lubach t-fhalt, fanna-bhui’ nan cleachd ’S fabhrad nan rosg àluinn; Gruaidhean mar chaor, broilleach mar aol, Anail mar ghaoth gàraidh— Gus an cuir iad mi steach, an caoil-thaigh nan leac Bidh mi fo neart cràidh dheth, Le smaointinn do chleas, ’do shùgradh ma seach, Fo dhuilleach nam preas blàth’or. ’S milis do bheul, ’s comhnard do dheud, Suilean air lìdh àirneig, ’Ghiùlaineadh brèid, uallach gu feill, ’S uasal an reul àluinn— ’Strua’ gun an t-éud tha’n uachdar mo chleibh, Gad bhualadh-s’ an ceud àite— Na faighinn thu réidh pòsd’ on a chleir B’fhasa dhomh-féin tearnadh. ’S tu ’n ainnir tha grinn, mìleanta, binn, Le d’ cheileir a seinn oran, ’S e bhi na do dhàil a dh’ òidhche sa là, Thoilicheadh cail m’ òige: Gur gile do bhian na sneachd air an fhiar, ’S na canach air sliabh mointich, Nan deanadh tu rùin tarruinn rium dlù’ Dheanainn gach tùrs’ fhògar. Càrair gu réidh clach agus cré Ma’m leabaidh-s’ a bhri t-uaisle— ’S fada mi ’n èis a feitheamh ort féin ’S nach togair thu ghéug suas leam, Na b’thus a bhiodh tinn, dheanainn-sa luim, Mas biodh tu fo chuing truaighe, Ach ’s goirid an dàil gum faicear an là ’M bi prasgan à trà’l m’uaigh-sa! ’Mallachd an tus, aig a mhnaoi-ghlùin,’ Nach d’ adhlaic sa chùil beò mi! Mu’n d’ fhuair mi ort iùil ainnir dheas ùr, ’S nach dùirig thu fiù pòg dhomh, Tinn gu’n bhi slàn, dùisgt’ as mo phràmh, Cuimhneachadh dàn pòsaidh Mo bheannachd ad dheigh, cheannaich thu-fein, Le d’ leannanachd gle òg mi. LAOIDH. (“I heard the voice of Jesus say.”) Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh, “A m’ ionnsuidh thig ’s gabh fois; Leig sìos, leig sìos, aon sgìth, do cheann Air m’ uchd, agus gabh clos!” Gu Iosa thàinig mi mar bha, Sgìth, airsnealach, is fann; Is fhuair mi annsan ionad-tàimh Is aoibhneas nach bu ghann. Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh, “Feuch, bheir mi dhut le deòin De dh’ uisg’ na beath’; thus’ ìotmhor ta Crom sìos, dean òl, ’s mair beò! Gu Iosa tháinig mi is dh’ òl A sruth an uisge bheó; Dh’ ath-bheothaich m’ anam, chaisgeadh m’ ìot Is annsan tha mi beò. Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh, “’S mi soluis-iùil an t-saogh’il; Seall rium, ’s do moch thràth éirigh suas, ’S bidh d’ uile làithean saor.” Ri Iosa sheall mi agus fhuair Mi ann mo reul ’s mo ghrian; Is anns an t-solus dhealrach, ghlan, Gn m’ chrìoch gu ’n dean mi triall. Leighsidh Minard’s Liniment Ceann-bhrist. Leighseadh mise o chuing le MINARD’S LINIMENT. I. M. CAIMBEAL. Bay of Islands. Leighseadh mise o at air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. U. DANIELS. Springhill. N. S. Leighseadh mise o Loinidh le MINARD’S LINIMENT. DEORSA TINGLEY. Albut, N. B. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im,Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd [TD 305] [Vol. 3. No. 39. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 30, 1895. No. 39. Na Sean Fhacail. FHIR MO CHRIDHE,—Ged a tha àireamh mhòr do na sean fhacail so-thuigsinn gu leòr, tha aon is aon dhiubh cho domhain ’s nach ’eil e furasda dhuinn an tuigsinn gus an smaoinich sinn uair is uair orra. Gabhamaid an sean fhacal cumanta so, “Ceann mòr air duine glic, ’s ceann circ’ air amadan.” Cha do thachair duine riamh rium a làn-thuig an sean-fhacal so. Is e a b’ aobhar dha so, gu robh iad a’ cur seadh cearr air na facail “ceann circe.” Faodaidh na h-uile a thoirt fa near gu bheil facail anns gach cànain a tha, le bhith an aghaidh a cheile, a’ cur solus air a cheile. So cuid diubh, “fuar,” “teith;” “cruaidh,” “bog;” “mòr,” “beag;” “luath,” “mall;” “lag,” “làidir;” agus mar sin sios. Mar so chi sinn nach ’eil e freagarrach dhuinn na facail, “ceann mòr,’” agus “ceann circe” a chur mu choinneamh a cheile, mar a chuireas sinn, “cean mor,” agus “ceann beag” mu chionneamh a cheile. Ach mar is trice, tha an sean-fhacal a dh’ ainmich mi air a thuigsinn mar gu’m biodh e air a sgrìobhadh mar so, “Ceann mòr air duine glic ’s ceann beag air amadan.” Thuirt fear is fear rium gur ann mar so bu chòir an seanfhacal a bhith air a sgriobhadh. Ach cha ’n ann. Is minic a bha ceann an amadain gu math ni bu mhò na ceann an duine ghlic. Is iomadh ni mòr a tha air fior bheagan feuma. Is iomadh duine a tha àrd o thalamh, garbh ann an cnàimh, agus trom ann am feòil anns nach ’eil neart no sgoinn an coimeas ris na daoine beaga, cruaidhe, tapaidh a th’ anns an dùthaich. “Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mòr mi-ghniomhach.” Ged nach ’eil an seanfhacal so cho so-thuigsinn ri iomadh seanfhacal eile, gidheadh tha e fior gu litireil. “Ged èignichear an seanfhacal cha bhreugnaichear e.” “An seanfhacal gu fada fior, cha bhriaghnaichear an seanfhacal.” Cha b’ ann air meud a’ chinn a bha na seana Gháidheil a’ gabhail beachd gu sònraichte, ach air cumadh a’ chinn. Tha daoine foghluimte ann a thuigeas air cumadh a’ chinn ciod iad na buadhan a th’ ann an eanachainn agus ann an inntinn duine. Cha ’n ’eil teagamh agam nach fhaodadh iomadh fear beachd a ghabhail air a’ chumadh neonach a th’ air cinn ciud de dhaoine, nan tugadh iad fa near e. Cha ’n ’eil smig air a’ chirc idir. Agus cha mhò a tha cnàimh na bathais aice dìreach air a bhonn. Is minic a chunnaic sinn daoine air nach robh a bheag de smig, agus air an robh bathais car coltach ri bathais circe. Ma thug gus nach d’ thug sinn fa near e, cha robh ach fior bheagan gliocais agus tuigse anns na daoine so. Biodh an ceann mòr no beag, ma bhios an cumadh so a dh’ ainmich mi air, tha e gu soilleir a’ nochdadh nach ’eil mòran gliocais ann. Faodaidh an duine air am bi an cumadh-cinn so feum gu leòr a dheanamh ’na aite agus ’na shuidheachadh fhein, ach cha dean e an obair a bha na Greugaich o shean a’ deanamh. Cha sgrìobh e leabhar, agus cha dean e obair innleachdach. Tha ’chearc a’ deanamh a feum fhein anns an t-saoghal. Ma bheireas i ugh, ni i gleadhraich gu leòr mu dheidhinn. Is toigh leatha bhith, mar is trice, a’ sgriobadh anns an dùnan. Ma gheibh i dorus a’ ghàraidh fosgailte bidh i steach ann a thiotadh; ach aon uair ’s gu faigh i steach cha teid i mach d’ a deoin. Bidh i anns an olc, ma dh’ fhaodas i. Ithidh i a seachd sàthan gach latha, ma gheibh i e. Ma gheibh i dorus an t-sabhail fosgailte bidh i anns a’ mhionaid ann am fior mhullach an torr shìl. Tha am fear air am bheil “ceann circe” glé choltach ris a’ chirc ’na chaitheamh-beatha ’s ’na ghiulan. Is toigh leis a bhith ri glagadaich ’s ri gleadhraich ’s ri fein-mholadh. Cha dean e ri ’bheo obair a’s àirde na bhith rùrach anns a’ pholl agus anns an eabar. An uair a theid e dh’ àite do nach ’eil gnothach aige’ dhol, cha ’n e am furasda ’chur as. Ma chuirear am pailteas ’na làmhan, sgapaidh e e ann an ùine ghoirid. Cha ’n ’eil ni a’ cur cùrainn air a’s mò na cia mar a shasaicheas e ana-miannan. Is mi do charaid. IAIN. Sloinntearachd. Ma-ta Mhic Chridhe,—Tha sloinneadh mo shinnsirean cearr ann sa MHAC-TALLA, agus bhithinn toileach sibh ga chur ceart. ’S mis’ Alasdair, mac Ailein, ’ic Alasdair, ’ic Aonghuis, ’ic Alasdair Bhàin, ’ic Alasdair Mhòir, ’ic Aonghuis a bhochdain, ’ic Aonghuis Mhoir Bhothiutinn, ’ic Alasdair, ’ic Iain Duibh, ’ic Raonuill mhoir na Ceapaich, ’ic Dhomhnuill Ghlais, ’ic Alasdair, ’ic Aonghus, ’ic Alasdair Charraich, ’ic Iain, ’ic Aonghus òig, ’ic Aonghus mhòir, ’ic Dhomhnuill, ’ic Raonuill, ’ic Shomhairle, ’ic Gillebride, ’ic Ghilledonnain. Sin direach mar thug mi dhuibh e roimhe. Tha mi dulich a bhi cur dragh oirbh, ach bu mhath leam sibh ’ga cheartachadh. ALASDAIR AN RIDGE. Chuireadh a’ cheist air duine glic roimh so,—“Ciod is aois duit!” Fhreagair e, “Tha mi ann an slainte.’ Chuireadh a’ cheist air a ris, “Cia co saibhir ’s a tha thu?” Fhreagair e, “Cha ’n ’eil mi ann an fiachaibh.” Cha d’ rinn aingidheachd riamh am maith r’s lugha do ’n duine. Cha ’n urrainn i neach sam bith a dheanamh ni ’s saibhre, ni ’s sona, no ni ’s glice. Cha ’n ardaich i duine ann an suilibh nan subhailceach, agus tha i uamhasach ann an sealladh nam firean. Uime sin biodh aingidheachd air a seachnadh leis ba h uile. [TD 306] [Vol. 3. No. 39. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB IX. Bha gné de dh’ amhrus aig Seumas òg nach robh Tearlach Ros no Tomas Taillear aon chuid ’nan daoine earbsach, no idir ’nan companaich fhreagarrach do dhuine glic sam bith. Bha aithreachas air a chionn gu ’n do gheall e comunn sam bith a chumail riutha; ach o’n a gheall e ’dhol a dh’ amharc air Tomas Taillear, bha e ’meas gu robh e mar fhiachan air a ghealladh a cho-ghealladh. Bha e air a theagasg dha o ’òige, gu ’m bu chòir do gach duine leis am bu mhath àite fhein a sheasamh, cumail ri ’fhacal; ni ’s lugha na bhiodh aobhar ro shònraichte aige air son bristeadh air. An uair a bha e greis a’ dol fo ’smaointean a thaobh ciod bu chòir dha a dheanamh, thuirt e ris fhein, “O ’n a gheall mi dhaibh gu rachainn g’ am faicinn théid mi ann gun teagamh. Cha bu mhath leam gu ’m biodh aca ri ràdh gu ’n deachaidh mi ann an cois m’ fhacail. Ach o nach d’ ainmich iad fhein latha sònraichte, cha bhi cabhag sam bith orm gus a dhol a thaghal orra. Faodaidh mi le fìrinn a ràdh gu bheil làn phailteas agam ri dheanamh anns an àm so an air’ a thoirt air obair na Sgoile. Mur toir mi an aire air an obair a th’ agam an dràsta, cha seas mi m’ àite ann am measg nan Sasunnach. O nach ’eil Albannach ’s an Sgoil ach mi fhein, cha bu mhath leam gu ’m bithinn air dheireadh air mo chòmpanaich.” Bha e ’na chleachdadh aig Seumas òg a bhith ’sgrìobhadh gu ’mhàthair uair ’s an t seachduin. Ciod sam bith ni air an deanadh e dearmad cha ’n fhaodadh e dearmad a dheanamh air sgrìobhadh gu ’mháthair. Bha meas mòr aige air a mhàthair, agus ’s ann dha bu chòir; oir bha meas mòr aicese airsan. Ach feumar a ràdh gu robh e iomadh latha glé choma ged nach biodh aige ri sgrìobhadh idir; oir cha bhiodh a mhàthair riaraichte mur a bitheadh a h-uile litir a gheibheadh i uaithe gu math fada. An uair a chaidh e do ’n agoil bha gach ni cho ùr dha, agus gheibheadh e naigheachdan gu leòr ri ’n innseadh mu riaghailtean agus mu obair na Sgoile agus nan sgoilearan, agus mar an ceudna mu na h-ioghnaidhean lionmhor a bha e ’faicinn. Ach an ceann ùine bha na naigheachdan a’ dol ni bu ghainne ’s ni bu ghainne, gus mu dheireadh an robh e gun fhios aige ciod a theireadh e gus an litir an lìonadh. A’ cheud latha ’bha Seumas òg a’ sgrìobhadh thun a mhàthar an déigh do Thearlach Ros agus do Thomas Taillear a bhith ’taghal air, thug e dhi mion-chunntas air na fir, agus dh’ innis e dhi mar an ceudna nach do ghabh e barail mhath sam bith air fear seach fear dhiubh. Cha mhò a rinn e dìchuimhn’ air ainmeachadh gu robh e fo ghealladh a dhol a chur seachad an fheasgair maille riutha air latha áraidh. Cha bu luaithe a fhuair a mhàthair an litir so na thug i leughadh dhi, mar a b’ àbhaist dhi a dheanamh, dha ’athair. An uair a leugh ’athair i thuirt e, “An uair a bhios sibh a’ sgrìobhadh gu Seumas cuiribh earail chruaidh air e bhith air fhaicill roimh Thearlach Ros. Mur d’thàinig atharrachadh air o ’n a chunnaic mise mu dheireadh e, cha bu mhath leam còmpanas sam bith a bhith eadar e fhéin agus Seumas. Tha e truaillidh ’n a chainnt agus ’na chaitheamh-beatha. ‘Truaillidh droch chomhluadar deadh bheusan.’ Cha b’ urrainn dhomhsa cuir suas leis na beachdan agus na cleachdaidhean a bh’ aige. Bhiodh e ’cur mìos no dhà seachad gach bliadhna còmhladh riumsa, gus o chionh ochd bliadhna deug. Chaidh e cho fad as an rathad mu dheireadh ’s gu ’m b’ éiginn dhomh a chronachadh gu garg. Ghabh e ’s an t-sròin i, agus bhòidich e nach seasadh a chas ann an Taigh na Coille fhad ’s a bhithinnsa beò. Tha dlùth air coig bliadhna deug o nach cuala mi guth no iomradh air. Is ann a bha mi ’n dùil nach robh e beò. Ach ma lean e air a bhith cho aingidh ’s a bha e an uair a chunnaic mise mu dheireadh e, feumaidh gur e duine ro aingidh a th’ ann a nis.” “Ged a dh’ innis sibh dhomhsa gu robh a leithid de dhuine ann, cha d’ innis sibh dhomh gu robh e ’n a dhroch dhuine,” ars’ a’ bhean. “Ma ta, cha d’ innis. Bu bheag orm a bhith ’g innseadh mu ’n olc a th’ anns na daoine air an robh mi eòlach. Is iomadh olc a rachadh air dìchuimhne nan sguireadh daoine a bhith ’g iomradh orra. Mar a thig sonas ri ’iomradh thig an t-olc ri iomradh. Na ’n d’ thug mise dhuibh mion-chunntas air gach ni a b’ fhiosrach mi mu Thearlach, is dòcha gu ’n cuireadh e dragh mòr air bhur n-inntinn. An rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe. Cha diochd an droch sgeul an uair a thig e.” “Saoilidh mi,” ars’ ise, “nach dean Seumas a’ bheag de chòmpanas ris. Cha chòmpanach a dh’ fhear a tha dà fhichead bliadhna ’dh’ aois leithid Sheumais nach ’eil fhathast na seachd bliadhna deug a mach.” “Thugaibhse comhairle air Seumas gu ’n e chumail comunn sam bith ris. Ma ni Seumas aon uair còmpanas sam bith ris, faodaidh e sgaomairean eile a chur ’n a rathad a bheir droch eisimpleir dha.” Gun dàil sam bith sgrìobh a mhàthair litir gu Seumas anns an do chomharraich i ’mach dha gu robh Tearlach Ros fo dhroch ainm o làithean òige, agus gu ’m b’ e a ghliocas an aire mhath a thabhairt nach deanadh e cómpanas sam bith ris. Bha i glé fhaicleach ciod a theireadh agus ged nach d’ innis i a h-uile nì air an robh fhios aice, dh’ innis i gu leòr mo dhòighean Thearlaich. Anns an àm ud bheireadh litrichean ùine mhath air an rathad eadar falbh is tighinn à Sasunn. Agus eadar an latha ’sgrìobh Semas òg thun a mhàthair agus fios-freagairt fhaotainn, fhuair e litir anabarrach caoimhneil o Thomas Tàillear ’g a chuireadh gu cuirm air feasgar àraidh, agus ag iarraidh air fantuinn maille ris air a’ chuid bu lugha fad latha no dhà. Anns an àm, bha Seumas òg air fàs car sgìth de ’n obair shàruichte a bh’ aige, agus o ’n a bha ’mhàthair is ’athair ag iarraidh air a dhol sgrìob a h-uile Disathuirne a mach às a’ bhaile, is e bhuail anns a’ cheann aige, gu rachadh e thun na cuirme, agus gu ’m biodh gnè de bheachd aige ciod an seòrsa dhaoine a bh’ ann an Tomas Tàillear agus ann an Tearlach Ros. B’ ann air feasgar Dihaoine a bha ’chuirm gu bhith aca, agus o’n a fhuair e cuireadh gu fuireach fad na h-oidhche, thuirt e ris fhéin gu ’n gabhadh e ’n cuireadh, agus gu ’m biodh gné de bheachd aige co dhiubh bha gus nach robh e sàbhailte dha earbsa a chur anns na fir. Rinn e deas air son falbh, agus thug e leis aon deisealachd a bhiodh feumail dha gus an tilleadh e air ais an là-iar-na-mhàireach. Anns an fhalbh dha thàinig am post, agus shìn e litir [TD 307] [Vol. 3. No. 39. p. 3] dha. Dha’ aithnich e gu ’m b’ ann o ’mhàthair a bha i, agus anns an t seasamh bonn dh’ fhosgail e i; ach an uair a leugh a beagan fhacal, thuig e gu robh iad uile slàn ann an Taigh na Coille. O’n a bha cabhaig air chuir e an litir ann am pòc-achlais a’ chòta-mhòir gus am faigheadh e ùine air a leughadh; oir dh’ aithnich e leis cho bùchdail ’s a bha i, gu robh i gu math ni b’ fhaide na na litrichean a b’ àbhaist dha ’fhaotainn uaipe. Ged a bha litrichean a mhàthar mar bu tric glé fhada, bha e gu cùramach a’ leughadh a h-uile facal dhiubh o thoiseach gu deireadh. Is minic, air a shon sin, a dh’ fhàg e cuid diubh gun leughadh uile fad latha no dhà, an uair a bhiodh e trang aig obair, no an uair a bhiodh e air fàs glé sgith aig leughadh eile. Fada no goirid gu robh e air an t-slighe ràinig e a cheann-uidhe. Choinnich Tomas Tàillear agus Tearlach Ros e aig an dorus agus dh’ fhàiltich iad e cho cridheil, caoimhneil ’s a dheanadh àthair ’s a mhàthair. Thuirt iad á beul a chéile, gu robh iad an dòchas gu ’n cuireadh e seachad latha no dhà ’n an cuideachd. Thuirt e riutha gu fanadh e latha ’s oidhche cómhladh riutha, ach nach robh e ’n comas dha fuireach ni b’ fhaide, o’n a bha àm ceasnachadh na sgoile a’ tarruinn dlùth air làimh. Thugadh a h-uile urram dha a bha dligheach do mhac uachdarain. Dh’ fheòraich Tearlach Ros cia mar a bha iad ann an Taigh na Coille, agus fhreagair Seumas òg, gu robh iad uile gu slàn. Thuirt e gu ’n d’ fhuair e litir o ’mhàthair dìreach an uair a bha e falbh o’n taigh, agus nach do leugh e ach beagan fhacal an uair a thuig e gu robh iad uile slàn. Cha robh iad fada an déigh suidhe aig a’ chuirm an uair a thàinig aon de ’n luchd-frithealaidh a steach a dh’ innseadh gu robh duine uasal am muigh aig an dorus ag iarraidh Tomas Tàillear ’fhaicinn. Dh’ éirich Tomas o’n bhòrd agus chaidh e mach às an t-seòmar. An ceann tiotadh thàinig e air ais agus an duine uasal maille ris. Co an duine uasal a bha ’n so ach an Dr. Liobhain, no, mar a theireadh Tomas Taillear agus Tearlach Ros ris, “an Doctair beag.” “So agad, a Sheumais, an Dr. Liobhain, an aon fhear sgile a ’s fhearr a gheibhear an taobh-so de Lunnainn. Ma bhios feum agad air doctair—agus tha dòchas agam nach bi an dà latha so—cha dean thu dad a ’s fhearr na fios a chur air.” Ghabh an Dr. a roinn de na bh’ air a bhòrd cho sgoinneil ’s ged nach fhaigheadh e gréim fad cheithir uairean fichead. Neo-ar-thàing nach robh còmhradh gu leòr eatorra, ged nach dubhairt Seumas òg mòran. Bha e gu nàdurra glè shàmhach, agus o ’n a bha e ’n a choigreach am measg chàich cha b’ urrainn e ’inntinn a leigeadh riutha. Rinn iad na b’ urrainn iad gus toirt air deoch làidir òl; ach cha d’ thugadh e géill dhaibh am muigh no ’m mach. Thug so air Tomas Tàillear agus air Tearlach Ros car de stamhnadh a chur orra fhéin air eagal gu ’n gabhadh Seumas òg droch bharail orra. Ach ghabh an Dr. Liobhain barrachd ’s bu chòir dha, agus an uair a chaidh e gu àrd-bhruidhinn ’s gu bòilich b’ fheudar falbh leis do sheòmar eile. Dh’ fhàgadh Seumas ’n a ònar ’s an t-seòmar; agus b’ fhearr leis na rud a chunnaic e riamh gu robh e ’n a sheòmar fhéin. Mu ’n d’ thàinig na fir air an ais an déigh a bhith ’cur an Dr. Liobhain a laidhe, thug iad an litir a chuir a mhàthair gu Seumas á pòc-achlais a’ chòta-mhòir, agus chuir iad an gleidheadh gu cùramach i gus am faigheadh iad cothrom air a leughadh far nach biodh duine ach iad fhein. Cha robh cabhag sam bith orra gus a dhol a laidhe. O nach robh dòigh ann leis an rachadh aca seanachus a thoirt à Seumas, thòisich iad air labhairt mu chùisean a bhuineadh dhaibh fèin. Mhol iad an toiseach an Dr. Liobhain mar fhear-sgile, ach a réir choltais nach robh iad toilichte a chionn e bhith cho trom air an òl. An sin thug iad ùine mhath air labhairt mu ’n gnothaichean fhéin. Shaoil le Seumas, mar a shaoileadh fear sam bith a bhiodh ’n a àite, gu robh mòran saoibhreis aca le chèile. Mu dheireadh thàinig an t-àm gabhail mu thàmh. Chaidh Seumas a laidhe; ach shuidh Tomas Tàillear agus Tearlach Ros anns an t-seòmar gus an do leugh iad an litir a fhuair Seumas o’ mhàthair. (Ri leantuinn.) Briathra Cairdeal. Cha mhor ’a chosdas briathra càirdeil. Cha gabh e uine fhada chum an labhairt. Cha tog iad leus aon chuid air an teangaidh, no air na bilibh, air an turas a stigh do n t-saoghal, ni mo an dean iad dochunn sam bith do ’n chorp no do ’n anam. Ged nach cosd iad moran, ni iad moran. Tha daoine glice ag innseadh dhuinn gu ’m bheil na briathra feargach a ghnathaicheas duine ’n a dhian-chorruich mar chonnadh do lasair na feirge, leis an loisgear ni ’s seirbhe agus ni ’s seirbhe e. Ach, air an laimh eile, bheir briathra tla agus caoimhneil a mach toradh cairdeis agus sithe a reir an gne. Meudaichear caoimhneas le briathraibh caoimhneil, agus sin gu h-ealamh cinnteach. Ni briathra caoimhneil iadsan caoimhneil a dh’ eisdeas riu, gun fhios gun aire dhoibh fein. Marbhaibh briathra fuara muinntir eile le fuachd: losgaidh briathra teth iad le teas; lotaidh briathra geur iad le lotaibh; nithear garg iad le briathraibh searbh; agus feargach le briathraibh corruich; ach dealbhaibh briathra caoimhneil an iomhaigh fein air anam an duine, agus is maiseach; aluinn, oirdheirc, an iomhaigh e! S. Iomlanachd. Bi-sa an toir air iomlanachd anns gach ni, ged nach ’eil e comusach ruigheachd oirre ach gann ann an ni sam bith. Thig iadsan a ta ’g iarraidh iomlanachd, agus a ta ’buannachadh ’n an dichioll, moran ni ’s faisge dhi na iadsan a ta air an co-eigneachadh le ’leisg agus mi-churam gun strith sam bith a dheanamh ’n a deigh. MAR A SGRIOSAS TU DO MHAC.—1, Leig a thoil fein leis. 2, Leig leis ’airgiod a chur gu buil mar thogras e. 3, Ceadaich da siubhal far an toilich e air an t-Sabaid. 4, Thoir lan chothrom da dol an cuideachd dhroch chompanach. 5, Na gairm uair sam bith gu cunntas e ciamar a chuic e seachad am feasgar. 6, Na leig gu dreuchd no obair e. Lean na comhairlean so agus mur faigh thu saoradh iongantach ni thu bron os cionn leinibh air a thruailleadh agus air a sgrios. Dh’ fhaiaich na miltean an deireadh truagh so, agus chaidh iad eios do ’n uaigh le doilgheao agus le bron. [TD 308] [Vol. 3. No. 39. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MART 30, 1895 Bha politics a’ fàs gu math teth ’sna criochan so bho thoiseach an earraich gus an d’ fhuaireadh fios nach robh ’n taghadh gu bhi ann gu uaireigin ’s an t-samhradh. Tha iad teth gu leor fhathast. Tha gach pàirtidh a’ feuchainn ri thoirt a chreidsinn oirnn ma théid iad fhéin a stigh gu’m bi gach ni ceart, ’s ma thèid a phàirtidh eile stigh gu’m bi an dùthaich air a tur mhilleadh. Cha ’n abair sinn féin dad, ach nach creid sinn na h-uile facal a their taobh seach taobh, gus am faic sinn iad air an coilionadh. Tha gnothaichean glé fhad air ais agus gu mor air aimhreit ann am Breatuinn aig an àm so. Tha pháirtidh aig a bheil riaghladh na rioghachd ’nan làimh a sior fhàs na’s laige. Tha Gladstone an deigh uallach an latha chur dheth gu buileach, agus a’ gabhail an t-saoghail air a shocair, rud nach iongatach do fhear ’aoise. Tha Morair Rosebery gu tinn, a réir a h-uile coltas air leaba ’bhàis, agus tha chuid eile dhe’n phàirtidh air an roinn an aghaidh a chèile, air dhoigh ’s nach eil moran neart annta. Tha cùisean mar sin air am fàgail an-shocrach, agus tha mor-chùram air omadh aon a thaobh ciod a tha gu tighinn mu ’n cuairt. Thug am posta o chionn còrr us mios leabhar beag sgiobalta g’ ar n-ionnsuidh, anns a’ bheil dealbh gach breacan Gàidhealach air a’ bheil cùnntas, agus iomradh aithghearr air na fineachan fa leth d am buin iad. Air duilleag-thoisich an leabhair, tha sgriobhadh mar a leanas:—“Gu Mac-Talla, bho Alasdair Mac Sheumais mhic Coinnich, mhic Iain Bhàin, mhic Dhomhnuill, mhic Thormoid, air a Bhliadhn’ Uir, 1895.” Gheibhear an leabhar so aig Mr. A. Bain, ’om Port Hawkesbury air son 80c, agus ’s math is fhiach e sin do neach sam bith aig am bheil tlachd ann an cumail suas cleachdaidhean a shinnsir. Sgeul air Bean Shith. Bha ann an iochdar Mhuile fear d’ am b’ ainm Domhnull Mac Ruairidh-bhain. A’ h-uile oidhche an deigh laidhe b’ eiginn da eiridh agus a bhean-phosda ’fhagail ’n a cadal. Bha e uine fhada mar so. Cha robh fios aig aon neach c’ aite ’n robh e dol no ciod a bha e a’ deanamh. Philleadh e air ’ais aig deireadh na h-oidhche, fuar, fliuch. Cha robh so taitneach le ’mhnaoi ’s throdadh i ris gu sgaiteach, geur airson a bhi air falbh cho tric bho ’leabaidh. Thoisich Domhnull air seargadh as gun fhios aig aon nach ciod a b’ aobhar dha. Mu dheireadh bhris an t-iomradh a mach gu’n robh leannan-sìth aig Domhnull ris an robh e a’ deanamh coinneamh. Chum so a bhacadh choimhairlich iad d’ a mhnaoi eolas no soisgeul ’fhaighinn d’ a fear. Fhuair i so agus cheangail i e mu ’amhaich. Thainig an leannan-sith a dh-ionnsaidh na h-uinneig far an rebh Domhnull ’n a laidhe agus thubhairt i, “Tha thusa an sin, a Dhomhnuill, ’s a’ ghealbhain bhoidheach mu t-amhaich.” Dh’ fhan Domhnull an oidhche sin ’s cha ’n fhacas tuille i air a thoir. Moran bhliadhnaichean an deigh sin bha marsanta-siubhail a’ falbh le bathar aig an robh each a’ giulan a’ bhathair. Bha e air a thuras eadar Misinnis agus Cuimhnis; thainig e gu beul-atha aibhne ris an abhar Abhainn tuil-Ghall. Dh’ fhairtlich air an t-each a chur thairis. Mu dheireadh, thuirt am marsanta, “Cuiridh mise thairis thu an ainm Tri Pearsa na Trianaid ged robh a’ h-uile deamhan an ifrinn ann.” Air dha so a radh dh’ eirich gurraban beag caillich air taobh thall na h aibhne ’s thuirt i, “Na’n abradh Domhnull Mac Ruairidh-bhain sin riumsa a chiad oichche a choinnich e mi cha robh mi cho fada ’g a leanailt,” agus fhuair am marsanta thairis. Leighsidh Minard’s Liniment ri reic ’s gach àite. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISON IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 309] [Vol. 3. No. 39. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh triùir dhaoine ghoirteachadh le dynamite ann an Catalone air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad ag obair air an rathad-iaruinn. Bha còignear dhiubh ann, ach cha d’ éirich dad dh’ an dithis eile. Chaidh fear Iain Gillios, a mhuinntir Nova Scotia no Cheap Breatuinn, a chall air na Grand Banks o chionn ghoirid. Bha e ’na iasgair air bord soithich Geancaich. Dh’ fhàg e bean us clann ann an Gloucester. Chaidh fear Ioseph Boatts, a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a mharbhadh ann a Waverly, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair ann am méinn òir aig an àm. Bha e deich bliadhna fichead a dh’ aois. ’Se “Mac-Talla” freagairt an toimhseachain a thug sinn seachad air an t-seachdain ’sa chaidh. Neach sam bith a ghairmeas air ’sa chuireas dolair a nall uige, bi’dh e freagairt dha gach seachdain gu ceann bliadhna. Tha ’n amhach-ghoirt anns a’ bhaile so rithist. Dh’ eug nighean bheag le Iain A. Mac Coinnich, aois cheithir no chóig a bhliadhnaichean, leatha Di-màìrt s’a chaidh. Tha sinn an dòchas nach sgap an euslaint a measg na cloinne. Chaidh pòsadh ueònach a dheanamh ann am Pictou an la roimhe. Bha fear-na-bainnse ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bha e cho tinn aig an àm ’s gu’m b’ fheudar am pòsadh a dheanamh ’s e ’na laidhe ’s an leabaidh. Tha bean-na-bainnse móran na’s òige na a fear. Ghoid Innseanach òg, do ’n ainm Seumas Bernard, tri cheud gu leth dolair á tigh-òsda ann an Truro, an la roimhe. Rugadh air ann an New Glasgow, agus cha robh air a shiubhal ach ceithir fichead dolair ’sa seachd deug. Bha e ’n deigh a chuid eile chosg ann an ceannach aodaich us uaireadair. Bha uaireadair òir air a chliathaich nuair a rugadh air. Tha fios a thainig a Newfoundland air an t-seachdain so, ag innseadh gu bheil a’ dol gu math leothasan a tha aig iasgach nan ròn. Tha aon soitheach air tilleadh dhachaidh cheana si luma làn, deich mile fichead ròn aice air bòrd, agus tha feadhain eile aig am bheil àireamh mhiltean nach d’ thàinig a stigh fhathast. Tha h-uile coltas air gu’m bi iasgach nan ròn glé phrothaideach, agus gu dearbh tha ’n dùthaich bhochd feumach air sin. Ghlac luchd-na-cuspuinn tri mile “giomach beag” air bòrd soithich ann am Boston air an t-seachdain s’a chaidh, agus thilg iad a h-uile h-aon dhiubh mach air a chliathaich. Chaidh an iasgach ’an àiteigm mu chladaichean Nova Scotia, agus bha iad air an creic ri fear a mhuinntir Bhoston. A réir lagh na stàite, feumaidh am fear leis ’m bu leis iad còig dolair mu choinneamh gach fir dhiubh a phàigheadh mar chàin. ’S glice do dhaoine ’n giomach beag fhàgail anns an uisge gus am fàs e mòr. Tha fear Deòrsa Marshall Graham ann an Toronto, an deigh dha bhi ’ga chosnadh fhéin fad dheich bliadhna fichead, air dileab mhor fhaotainn. Tha e nise na Iarla, tha tri oighreachdan aige, agus tha àite-suidhe aige ann an tigh nam Morairean an Lunnuinn. Bha e roimhe so ’na chlèireach ann an stór leabhraichean ’an Toronto. Tha sinn fada, fada, an comain ar caraìd as na Stàitean a chuir ugainn seann àireamhan de’n “GHAIDHEAL.” Ni sinn na piosan a chomharraich e, a chlo-bhualadh an ùine gun bhi fada. Bu mhath leinn cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil àireamhan de’n “Chuairtear” no de’n “Teachdaire Ghàidhealach,” agus a bhiodh deónach an creic. Bha réis each aig Sidni Tuath Di-sathairne s’a chaidh. Choisinn each á Pictou a ’cheud duais agus each ’Ic Coinnich, as an Eilean Mhòr, an darra duais. Bha réis bheag eile aig a bhaile so Dior-daoin, ’s choinn each le Seumas O’Callaghan i. Tha ’n deigh a nise fàs bog, agus cha b’ iongatach leinn ged nach cluinneamaid an còrr mu réisean gus an tig an geamhradh s’a tighinn. Chaidh dithis dhaoine, Iain Debeson agus Basil Gracey, a mharbhadh anns a’ mhéinn an Glace Bay Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad ag obair aig beul an tuill, agus bhrist na bùird a bha fo ’n casan, agus thuit iad sios ceud troidh ’sa deich gu grunn an tuill, ’s bha iad air an grad mharbhadh. Bha iad le chéile ’nan daoine air an robh deagh mheas aig na h-eòlaich uile, chuir am bàs gruaim air an àite. Thug “Ceann Liath” iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air ian neònach a fhuaireadh ann a’ Framboise o chionn ghoirid. Fhuair fear Ruairi Mac Coinnich, anns a bhaile so, ian air Di-dòmhnaich s’a chaidh a bha glé neònach ri ’fhaicinn ’s na cearnan so. ’Se ian beag a bh’ ann, beagan na’s mò na smeòrach, agus bha e car air dath tunnaig, agus an aon seòrsa chasan air. Tha e glé choltach gur h-e an stoirm a chuir an rathad so e. Tha e air innseadh dhuinn gu bheil dithis dhaoine ’siubhal na dùthcha an dràsda ag iarraidh luchd-gabhail do phaipear a thatar a’ cur a mach an àit-eigin anns na Stàitean. Bheir iad seachad, air son aon dolair, bliadhna dhe’n phaipear, agus a bharrachd air sin ni iad dealbh an dhuine ’ghabhas am paipear, no duine sam bith dhe’n teaghlach aige, a mheudachadh ’sa chur g’ a ionnsuidh an ceann beagan ùine. Cha ’n eil iad ag iarraidh air son sin uile ach an dolair a bhi air a phàigheadh ’san làimh. Tha grunnan math an deigh gabhail ris an tairgse cheana, agus ged nach cluinneadh iad guth tuilleadh air a phaipear, air an dealbh, no air an dolair, na biodh ioghnadh sam bith orra. Annns na bliadhnaichean so, tha ’n saoghal làn de chealgairean dhe’n t-seòrsa so, agus tha iad ’a deanamh deagh bheòlaint air an ceaird. B’ fhearr dhaibhsan aig a bheil dolair ri sheachnadh a chur an rathad so air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA, paipear is math is fhiach dolair agus nach do mheall air duine riamh. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 310] [Vol. 3. No. 39. p. 6] AN SIONNACH. Bha ann roimhe so coileach a chaidh e fhein ’s a chuid chearc a chur air àiridh an àm an fhoghair. Thuit do shionnach, là bha ’n sin, a bhi gabhail an rathaid air toir cobhartaich. Thugar an coileach an aire dha, ’s leumar am bàr craoibhe. Cha robh sid gun fhios do ’n t-sionnach, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ rinn e suidhe aig bun na craoibhe. “Thig a nuas, a choilich,” ars’ esan, “tha naidheachd agam dhut.” “Cha tig,” ars’ an coileach. “Ud, thig, a nuas, nach ’eil fhios agad gu’m beil sinn càirdeach? Is mise an sionnach mac an t-sionnaich dhonn-bhuidhe; agus is tusa mac a’ choilich mhic an uibhe—iar-ogha na peathar ’s a’ bhràthar, buaidh-làrach dianamaid suidhe.” “Cha dian,” ars’ an coileach, “bidh tu rium.” “Cha bhì,” ars’ an sionnach, “nach ’eil fhios agad gu ’m beil a nise sith air a h-éigheach eadar a h-uile beothach, agus nach ’eil a chridhe aig beothach gnothach a ghabhail ri beothach eile? Is mise an teachdaire-gairm. Nach fhaic thu ’n litir an ceangeal ri bàrr m’ earrbaill? Thig a nuas ’us leugh i. Leumar an coileach a nuas, ’s mu ’n gann a bhean a chasan do ’n làr, bha e tarsainn am bial an t-sionnaich ’s gun fhuireach ri ’mharbhadh thugar na buinn. Thàinig air dol seachad air achadh-buana ’s thugar na buanaichean an aire dha. “O, mo choileach, mo choileach!” arsa te de na mnathan. “Cha ’n e th’ ann ach mo choileach-sa.” Bha chùis ag cur seirbhe air an t-sionnach, ’s thugar togail air a cheann ’s ghlaodh e, “Cha ’n e ’th’ann ach mo choileach-sa, ’s tuitear an coileach as a bhial. “Cha ’n e th’ ann ach mo choileachsa,” arsa bean chòir eile ’s i togail a choilich ’n a h-ultaich. “Is mairg a bheireadh feairt air mnaoi,” ars an sionnach ris fhein ’s e siapadh air falbh. Chum e air ’s tachrar feannag air ’s i ’toirt nan sùl á mart a bha ’n deigh dol le creig. Chuir iad fàilt air a chéile, agus ’s e bh’ ann gu ’n deach iad an companas mu’n fheòlaich. Thòisich an sionnach air roinn na cairbhe, agus dh’ fharraid e de ’n fheannaig co-dhiubh a bhiodh aice broilein mòr nan còig ciad ribeag, na ceithir spadagan odhra a’ mhairt. “Bidh agam fhein broilein mòr nan còig ciad ribeag,” ars’ an fheannag. Thilg an sionnach sid dh’ a h-ionnsuidh, ’s thugar an t-saobhaidh air leis na spadagan. An uair a theirig am broilein, ’s cha b’ fhada h-uige, chaidh an fheannag ’n a gurrach air cloich ’s i tùrsa nan spadag. Bha i greis mar sin, ’s co thainig an rathad, ach a banchoimhearsnach a’ chorra-ghribhach. Chaidh iad an cnacas a chéile, agus casaidear an fheannag rithe mar a rinn gille-nan-car oirre. “Bheir mise cuireadh dha,” ars’ a’ chorra-ghribheach, “ach na gabh thusa dad ort gus am faic sinn.” Oidhche Nolluig thug i cuireadh gu cuirm do’n t-sionnach. Thàinig e; ach mar a bha ’n tubaist ann, caite an do chuir i an t-eanbhruich ach ann am botuil. Thòisich e air imlich nam botul, ach cha dianadh e dad de na bh’ annta. Is e bh’ ann gu’n d’ ol a’ chorra-ghribheach a cuid fheìn agus cuid an t-sionaich, ag gabhail mar leisgeul nach robh soithichean freagrach aice. GLASRACH. PROFESSOR BLACKIE. Tha ’n t-Albannach gasda ’s an sgoilear foghluimte so a nis tosdach ann an suain a’ bhàis. Bha e sé agus ceithir fichead bliadhna ’nuair a thàinig crioch air a chuairt thalmhaidh. Cha rohh ann a latha Albannach eil’ air an robh barrachd eòlais us iomraidh us meas air feadh an t-saoghail gu léir. Bha buaidhean inntinn aige a bha geur, làidir, agus ealanta Bho thùs a làithean, bha e tapaidh, dichiollach, ealamh, agus bha gràdh mòr, diongmhalta aige air tir a dhùthchais, agus air gach neach is ni a bhuineadh do thir an fhraoich, agus a bha ceart ’us iomchuidh annta féin. Rugadh e ann am baile Ghlaschu. Thogadh e ann an Abaireadhain. Fhuair e cothrom math air ionnsachadh farsuing, fiachail, a thrusadh ann am mor-roinn na h-Eòrpa. Bha cridhe laghach, fosgailte, aige, ’us bha ’inntinn daonnan ullamh agus easgaidh airson gach foghlum a bha ùr us taitneach a ghabhail a stigh. Chuir e eolas tràth air na sgoilean a b’ àirde cliù ’na linn. Fhuair e, ann an 1841, a’ chathair a bha air a suidheachadh aig an àm sin airson Laidionn a theagasg ann an Oil-thigh Abaireadhain. Fhuair e, ann an 1852, a bhi ’na fhear-teagaisg Greugais ann an Oilthigh Dhun-eideann. Rinn e a dhachaidh anns a’ bhaile bhoidheach, ainmeil so gus an do chriochnuich e ’threoir ’sa thapaidh ’sa làithean anns an t-saoghal so. Bha luchd-àiteachaidh a bhaile mhoir, mar so min-eolach ré iomadh bliadhna air Mac ’Ille Dhuibh le ’cheum uallach gleusda, le ’aghaidh thana, gheur, le ciabhan geala ’chinn, agus le ’bhreacan fada m’a ghuaillean. Cha robh e comasach do choigreach air bith gun dearbh bheachd a ghabhail air Blackie, am feadh a bha e le ceum deifireach a’ dol gus an oil-thigh. Is iomadh oileanach math a fhuair foghlum uaithe, ’s aig an robh mor-mheas air, oir bha e daonnan brisg, beothail, sùrdail. Cha robh cùis air bith nach faigheadh aire uaithe. Bheireadh e ’bheachd féin seachad gu neo-sgàthach, agus sheasadh e gu dileas air leth gach ni a bha cothromach us iomchuidh. Rinn e obair mhor agus chliùiteach air iomadh dòigh mar sgoilear. Sgriobh e iomadh leabhar mu Laidionn, mu Ghreugais, mu fheallsanachd us bàrdachd us eachdruidh. Bha na h-Albannaich proiseil, oir bha Blackie co foghluimte ’s co tapaidh, ’s nach robh ni air bith a bhuineadh daibh air nach robh e eolach, agus comasach air beachd phongail a thoirt seachad. Bha meas mor aig sgoilearan Dhun-eideann air, agus bha càirdeas blàth us seasmhach eatorra. Tha, gu nàdurra, doilgheas orra nach bi comas tuille aca air càirdeas a nochdadh dha no air caoimhneas fhaotainn uaithe. Cluinnear anns an dàn cliù ’s àilleachd Mhic ’Ille Dhuibh an Fear-teagaisg greadhnach. Tha aobhar sonruichte aig na Gàidheil a bhi bronach o’n thainig crioch air làithean ’s aigne Bhlackie. Ged nach robh fuil nan Gàidheal a’ ruith ’na chuislean, cha robh Gàidheal ann an dùthaich air bith, a thug barrachd gràidh do’n Ghàilig, a rinn barrachd saothair as a leth, no choisinn barrachd neirt us comhnaidh us càirdean di. Chuir e seachad iomadh la sona toilichte ’an Allt-na-creige, dlùth air an Oban, ann an Earra-Ghàidheal. Fhuair e eolas anns an ionad so, air sruthan gàireach nam beann, air fraoch gaganach, badanach nan cnoc, agus air a’ Ghàilig, a’ chànain urramach a labhair Fionn us Oisean us Colum Cille, agus a tha co sean ris an fhraoch fhéin ann an aonaichean na Gàidhealtachd. Is e bàrd ceolmhor, deas-bhriathrach a bha ann féin. Ann an Aisliny Oisein—duan a sgriobh e féin, agus a dh’ eadar-theangaich a bhana-charaid uasal, Màiri Nic Ealair, tha Oisean a’ labhairt ris air an doigh so.— [TD 311] [Vol. 3. No. 39. p. 7] Thuirt e, ’Mhic na tir Galld’, tha thu eol domh us caomh leam, Thug thu gaol do mo shluagh, agus buaidh thug d’ an dàn. Ghabh mi beachd air do cheum, lu-chas eutrom ’sa gharbhlach, S do bhinn ghuth ’sa cheòl, ’s ghabh mi còir ort dhomh fèin. Rach a thegasg do d’ shluagh cánain uasal nan Gàidheal, ’S ged rinn iad orr’ dimeas, O dùisg iad gu bàigh. ’S thoir beatha as ùr ann an tir nam beann fuara, Do’n cheól ’bhios ’ga luaidh fhad ’s bhios cuan tigh’nn gu tráigh. Nach math ’s nach duineil a sheinn Niall Mac Leoid,— Dùisg suas a Ghàidhlig, ’s na bi fann, Us gleus do chlàrsach feadh nan gleann, Tha aon fhear-tagraidh math ort teann, A chumas taic riut; Cho fad ’sa mhaireas teanga ’n ceann Professor Blackie, ’Bheil neach a dh’ àraich tir an fhraoich Air call a bhàigh ’s air fas cho faoin, Ri tàir air cainnt a mhàthar chaoimh ’S nach taobh a reachdan? Ach gheibh iad sin am duais gu daor Mur caochail Blackie. Is ann dàsan a b’ aithne na Gàidheil lag-chridheach, chaon-shuarach a chàineadh, o nach robh meas ceart aca air cànain an dùthcha; agus o’n a b’ fhearr leo tionndadh air falbh gu buileach bho bhi ’labhairt na Gàidhlig, agus ag aideachadh gur Gàidheil a bha annta. Tha na Gàidheil lionmhor thall ’sa bhos a tha aig an àm so bronach do bhrigh gu bheil an t-Albannach aigeannach, àrd-inntinneach, mor-chridheach, am bàrd gleusda, fileanta, an caraid dileas, duineil, agus fear-tagraidh foghainteach na Gàidhlig agus nan Gàidheal, Mac Ille Dhuibh, anns a’ chiste chumhainn fo’n fhod. Gleidheadh na Gàidheil cuimhne gu bràth air Blackie, agus air na gniomharan mora ’s math a rinn e. Na leigeadh iad, anns na làithean a tha air thoiseach orra, do choinneach na di-chuimhne trusadh air ainm us cliù, air moralachd us dilseachd, air buaidhean eireachdail us ceud-faithean iongatach MHIC ILLE DHUIBH. CONA. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. Tha so air a chumail do C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 312] [Vol. 3. No. 39. p. 8] Oran Cumhaidh. LE UILLEAM ROS. Tha mise fo’ mhulad sa’n àm Cha ’n òlar leam le sunnt, Tha dùrrag air ghùr ann mo chail A dh-fhiosraich do chàch mo rùin, Cha ’n fhaic mi ’dol seachad air sràid An cailin bu tlàithe sùil; ’S e sin a leag m’aigneadh gu lar Mar dhuilleach bho bharr nan craobh. A ghruagach is bach’liche cùl Tha mise ga t-inndran mòr, Ma thagh thu deagh aite dhuit fein Mo bheannachd gach ré ga ’d chòir: Tha mise ri osnaich ’na d’ dheigh, Mar ghaisgeach an déis a leòn; Na laidhe san araich gun fheum S nach teid anns an t-sréup ni’s mò! ’S d’ fhag mi mar iudmhaìl air treud, Mar fhear nach toir spéis do mhnaoi, Do thuras thar chuan fo’ bhreid, Thug bras shileadh dheur om shùil— B’fhearr nach mothaichinn fein Do mhaise, do cheill, ’s do chliù, No suairceas milis do bheil ’S binne no séis gach ciùil. Gach anduin’ a chluinneas mo chàs A cuir air mo nadur fiamh;— A cantain nach eil mi ach bard ’S nach cinnich leam dan is fiach— Mo sheanair ri paigheadh a mhail, ’S m’athair ri malaid riamh Chuireadh iad gearrain an crann, A’s ghearainn-sa rann ro’ chiad. ’S fad a tha ’m aigne fo ghruaim Cha’ mhosgail mo chluain ri ceòl, ’M breislich mar anrach a chuan Air bharraibh nan stuadh ri ceò. S’ e iunndran t-abhachd bhuam A chaochail air snuadh mo neòil, Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill, Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir! Cha duisgear leam ealaidh air aill’, Cha chuirear leam dan air dòigh, Cha togar leam fonn air clar Cha chluinnear leam gair nan òg. Cha dirich mi bealach nan ard Le suigeart mar bha mi’n tòs, Ach triallam a chadal gu brath Do thalla nam bard nach beò! No Nighsen Dubh. SEISD. Mo nighean dubh, tha boidheach dubh, Mo nighean dubh, na treig mi; Ged theireadh cach gu bheil thu dubh, Cho geal ’s an gruth leam fhein thu! Moch là Coinnle anns a’ mhadainn, ’M leaba ’s mi gun eirigh, Gu ’m facas oigh an taice rium, ’S a gnuis ro dhreachmhor, ceutach. Toisichidh mi aig do chasan, Chum do mhaise ’leughadh;— Didomnuich a’ dol an chlachan, Bean do dhreach cha leir dhomh. Thig stocaidh gheal air rogha dealbha Air do chalpa gle-gheal; Brogan barra-chumh’nn, ’s bucaill airgid— Oigh air dheaibh na grein’ thu! Seang chorp fallain, mar shneachd meallain, No mar chanach sleibhte; Mar fhaoileag chladaich, ri là gaillinn, Air chuan mara ’g eirigh. ’S math thig gun ’s an fhasan duit, Cho math ’s a tha ’n Duneideann, Mu d’ mheadhon caol ’g a theannachadh, ’S a’ chamhanaich ’s tu ’g eirigh. Do shuilean mar na dearcagan Do ghruaidh air dhath na ceire, Cul do chinn air dhreach an fhithich, ’S gradh mo chridhe fhein ort. Suil chorrach ghorm fo d’ chaol mhala Bho ’n tig an sealladh eibhinn, Mar dhealt camhanaich ’s an Earrach, ’S mar dhruchd meala Cheitein. Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte, ’N ceangal sguaib air m’euchdaig; Gur boidheach e mu d’ chluasaibh, S cha mheas’ an cuailein breid e. Cha dean mi tuilleadh molaidh ort— O, ’s tu mo rogha ceile! ’S ann ort a tha ’n cùl fàinneagach, Mar sud ’s am braighe gle-gheal. ’S olc a rinn do chairdean orm ’S gu ’n d’ rinn iad pairt ort fein d’ e, ’N uair chuir iad as an dù’ich mi, ’S mi ’n duil gu ’n deanainn feum duit. ’S ged nach deanainn fidhleireachd, Gu ’n deanainn sgriobhadh ’s leughadh; ’S a Nàilc! dheanainn searmoin duit Nach talaicheadh neach fo ’n ghrein air. Leighsidh Minard’s Liniment Ceann-bhrist. Leighsidh Minard’s Liniment Lòsgadh. Leighsidh Minard’s Liniment Deideadh. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Leighseadh mise o chuing le MINARD’S LINIMENT. I. M. CAIMBEAL. Bay of Islands. Leighseadh mise o at air m’ aodann le MINARD’S LINIMENT. U. DANIELS. Springhill, N.S. Leighseadh mise o Loinidh le MINARD’S LINIMENT. DEORSA TINGLEY. Albut, N. B. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 313] [Vol. 3. No. 40. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, APRIL 6, 1895. No. 40. Comunn Gaidhealach Lunnainn. Bha Ceilidh miosail a’ Chomuinn seo air an t-seachduinn a chaidh seachad ’na choinneamh cho mor ’s a bh’ aca fhathast. B’e Mhr. Cailean Siosal “Fear-an-taighe” airson an fheasgair agus gu dearbh is math a chaidh aige air an taigh a chumail an deagh ordugh. Is Gàidheal Mhr. Siosal a tha an deagh mheas am measg a luchd-duthcha agus thaisbean iad sin da air an oidhche seo leis an fhàilte chridheil a chur iad air ’nuair a ghabh e cathair fear-an-taighe. A reir cleachdaidh a’ cheilidh thug e seachad oraid ghoirid anns a’ Ghaidhlig, agus an deigh sin chaidh an oidhche chuir seachad gu gasda le piobaireachd sgeulachd agus orain. ORAID FEAR AN TAIGHE A Bhan tighearnan agus a dhaoine-uaisle, tha mi cinnteach gu ’m faodadh iadsan a tha coimhead an deigh gnothaichean a’ chomuinn seo fear-cathrach ni b’ fhearr na mise fhaotainn ach bho’n a chur iad an t-urram seo orm ni mi mar is fhearr is urrainn domh. Tha mi fuathasach toilichte gu ’m beil leithid a’ chomuinn seo air eiridh suas agus bu mhath leam, le ’r ceadsa, taing bho bhonn mo chridhe thoirt do na daoine-uaisle tha air ceann a’ ghnothaich. Tha’n Lighich Mac’ Ill ’Iosa agus Mhr. Ian Mac Coinnich a toirt morain uine do theagasg na canain sin air am beil sinn uile cho deigheil agus tha Mhr. Padruig Mac-an-t-Saoir a deanamh a chuid fein de ’n obair mar runair. Bu choir dhuinn uile prois a bhi oirnn as an obair a tha iad a deanamh. Cha ’n fhiosrach dhomhsa gu ’m beil comunn sam bith eile ann an diugh a tha beathachadh agus a cumail suas na Gaidhlig mar tha iadsan. Gun teagamh tha Comunnan Gaidhlig eile ann an rioghachd ach de tha iad a deanamh? Am beil iad a toirt oidhirp sam bith air a’ chainnt a theagasg dhaibhsan aig nach ’eil i cheana no am beil iad eadhon ’ga bruidhinn nam measg fein? Bha coinneamh mhor aig Comunn Gàidhlig Ionbhairneis an la roimhe agus bha moran oraidean air an toirt seachd ach cha robh fiu a h-aon diubh anns a’ Ghàidhlig. Tha sibh a saoilsinn sin gle iongantach ach tha nithe eile agam ri innseadh dhuibh a tha eadhon ni ’s iogantaiche. Bha mi am baile Ionbharneis an uiridh fad seachduinn no dha agus is gann a chluinninn facal Gàidhlig air a labhairt agus mo chreach, cha b’e an gleann anns an d’ rugadh mi (Strathghlais) dad a b’ fhearr. Tha na seann Ghaidheil air an sgiursadh a mach agus Goill air an toirt a steach ’nan aite. Seo an doigh a tha uachdaranan an fhearainn a’ gabhail air cur as do ’n t sluagh. Cha ’n ’eil iad a’ tuigsinn aon chuid an sluagh no an cainnt agus tha iad air bheachd gur e an ni a’s fhearr is urrainn daibh a’ dheanamh an sgiùrsadh a mach chum aite ’dheanamh do na feidh no do an cairdean Sasunnach fein. Is aithne dhomh fhein duine bochd, le teaghlach og, lag, a ghearr beagan moine ann an gleann Cannaich agus an uair a bha i gu bhi tioram thainig maor, no seirbhiseach air choir-eigin eile, agus cha d’ fhag e fàd nach do thilg e air ais anns a’ bhac as an d’ thainig e. Cha ’n ’eil fhios agamsa ciamar a fhuair an duine bochd air adhairt fad a’ gheamhraidh chruaidh a tha nis air dol seachad. Cha ’n e a’ Ghaidhlig a tha dol bas ach an sluagh. Tha ’Ghaidhlig cho beo ’sa bha i riamh agus tha ni ’s mo air a sgriobhadh agus air a ’chlo-bhualadh innte na bha aig àm sam bith roimhe seo. Ach tha aon ni a cur bacadh air ar cainnt anns a’ Ghaidhealtachd agus ’se sin gu’m beil Maighstearan-sgoile Gallda air an cur os cinn na cloinne. Nan smuainicheadh an sluagh gur ann troimh ’n chainnt a tha aig a ’chlann cheana is fhusa ni sam bith a theagasg dhaibh chitheadh iad goraiche an ni seo. ’Se ’chomhairle bheirinn-sa orra iad a ’dheanamh cinnteach nach leigeadh iad le duine sam bith a bhi air Buird-nan sgoil ach fior-Ghaidheil a bheireadh ceartas agus cothrom do ar cainnt. Tha mi cinnteach gu ’m beil sibh a nis a fàs sgith dhiom agus bithidh mi co-dhunadh le bhi toirt taing dhuibh airson an urraim a chur sibh orm le bhi ’ga mo chuir an aite Fear-an-taighe an nochd. CABAR FEIDH. Iadsan a Phaigh. Ceit Nic Néill, Irish Cove. D. I. Mac Asguill, L’ Ardoise. A. Munroe, Meinn Lorway. Eachunn Mac Fhionghain, Amhuinn Shidni. I. D. Shaw, Amhuinn Dhennis. Alasdair S. Mac Leòid. Framboise. Seònaid Nic Artair, River Inhabitants. Domhnull Domhnullach, Amhuinn Dhennis. Floiri Nic ’Ill-Fhinnein, Gilanders Mtn. Alasdair Mac Rath, McLeods P. O. Seòras D. Mac Leoid, St. Ann’s. Niall Mac Leoid, Eoseph Mac Gilleain, Baddeck, $1.93. Uilleam Mac Aoidh, Bras d’ Or Beag. Seumas Mac Gilleain, Clarkes Road. Anna Mhàrtuinn, Meinn Ghardiner. Domhnull Martuinn, Orangedale. Ruairi H. Mac Coinnich, Forks Shidni. A. I. Mac Gill-fhaollain, B. C. Chapel. Iain A. Mac Gille-mhaoil, Loch Ainslie. Iain Domhnullach, Framboise. Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills. Cailean Domhnullach, Round Island. Iain MacAmhlaidh, (Eildr.) Pt. Morien, $2.00. Betsi Nic Neachtain, Loch na h-Aibhne Deas, N. S. Bean D. Ball, Toronto, Ont. Aonghas Mac Gilleain, Stòrnabhaigh, Que. Tormoid P. Mac Leoid, A. D. Mac Cuish, Ainsworth, B. C. Eobhan A. Gillios, St. Louis, mo. Domhnull Mac Gill-Fhinnein, San Francisco. Mrs. Elder, Boston, Mass. Alasdair Domhnullach, Mabou, 25cts Calum D. Mac Leoid, Beinn Chain, Niall I. Domhnullach, Irish Cove. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile, ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. [TD 314] [Vol. 3. No. 40. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB X. Cha robh Seumas òg fada ’s an leabaidh an uair a thuit e gu trom ’na chadal. Cha robh olc sam bith fa near dha, agus mar sin, o ’n a bha e ann an sìth ris fhein, ri ’Dhia, agus ris an t-saoghal, cha robh ni sam bith a’ cur bruaillein air an inntinn aice. Cha do dh’ éirich an t-amhrus bu lugha ’na chridhe, gu robh an dithis, a bha ’cumail a mach ris gu robh meas mòr agus gràdh aca air, ’nan dearg nàimhdean dha. “Ge b’ e nach bi olc ’na aire ’cha smaoinich e air lochd neach eile.” Cha b’ e sin suidheachadh inntinn anns an robh Tomas Taillear agus Tearlach Ros. Bha iad gu dian ag àr an aghaidh Dhé, an aghaidh lagh na rioghachd, agus an aghaidh an cogaisean fhein. Ged a bha iad ann an tomhas mór air cruadhachadh anns an olc, bha iad ag aideachadh ’nan cridheachan fhein, gu robh e ’na chionta uamhasach dhaibh bàs duine òig, neochiontaich, mar a bha Seumas, a bhith air an làmhan. Ach aon uair ’s gu faigh an t-olc tuilleadh ’s a’ chòir de làmh an uachdar air duine, bidh e glé bhuallteach air a bhith fàs ni ’s miosa ’s ni ’s miosa gach latha. Tha ’n duine, fo chumhachd an uilc, gu nàdurra ag iarraidh gu bhith ’ruith thun na truaighe mar a ruitheas a’ chlach sìos leis a’ bhruthach, agus cha chum ni sam bith air ais e ach cumhachd mòr an Uile-chumhachdach. An uair a fhuair iad an seòmar dhaibh fhéin agus a leugh iad an litir a chuir a mhàthair gu Seumas, shuidh iad aig a’ bhotul, agus dh’ òl iad an sàth dheth. Cha b’e sin am beag; oir bha iad air dhithis cho math ’s dh’ oladh ’s a gheibhteadh, ach ainneamh, ann an àite sam bith. Dh’ òladh iad an sgillinn nach fhaca iad. Chuir briathran na litreach agus na bha de ’n stuth làidir air an giulan gu àrd-bhruidhinn ’s gu bòilich ’s gu mionnan iad. Bha iad anabarrach toilichte gu ’n d’ fhuair iad greim air an litir. Bha e soilleir gu leòr dhaibh, nan do leugh Seumas an litir, nach biodh e furasda dhaibh lìon a mhillidh a chur m’ a chasan. “Theid gach cùis leinn gu ar miann, a Thomais. Nach e am fortan fhein a bha fàbharach dhuinn an uair a chuir e an litir ’na phòcaid gun a leughadh?” ars Tearlach. “Mol an latha math air a dheireadh. Tha eagal ormsa nach fhaighear greim air an òganach cho soirbh ’s a tha thu ’n dùil. Cha rachainn an urras nach biodh e gle mhoch am màireach a’ cur an taighe so troimh a chéile ag iarraidh na litreach. Ma ni e sin, ’s gu ’n teid a’ chuis gu cluasan fir an taighe, druididh e an dorus, agus rannsaichear a h-uile anam a tha ’n taobh a staigh de ’n dorus. Gabh thusa mo chomhairle, agus cuir an litir a lasadh na pìoba. Cuir as an t-sealladh i air dhòigh eiginn,” arsa Tomas. “Tha thu ceart, a laochain. Cha bhi i air mo shiubhal ni ’s fhaide,” arsa Tearlach ’s e ’cur goinnean rithe anns an t-similear. “Cha ’n fhaod sinn làmh-mar-sgaoil a leigeil anns a’ chùis idiir, ma tha dùil againn crìoch dhòigheil a chur air gach ni a tha ’nar beachd. Gabh thusa beachd air mar a tha cùisean nis. Ged a tha Seumas fhathast an ain fhios air an droch bharail a th’ aig ’athair ’s aig a mhàthair ortsa, cha bhi e fada mar sin. Ionndrainnidh e an litir gu ’n teagamh—ach tha mi ’n dòchas gu ’m bi e air falbh as an taigh so mu ’n ionndrainn e i—agus an uair a sgrìobhas e gu ’mhathair, faodaidh tu a bhith cinnteach gu ’n innis e gu ’n do chaill e an litir anns an taigh so, an uair a bha e ’nar cuideachd-ne. Cha ’n urrainn e droch cunntas sam bith a thoirt ormsa no ortsa, agus tha mi ’creidsinn nach dean e sin. Ach thoir thusa so fa near: cha luaithe a ruigeas a litir a mhàthair na ghrad sgrìobhas i air ais ’ga chur ’na fhaireachadh. Cha rachainn mionaid an urras nach abradh a mhàthair ris gur tusa a thug an lìtir as a phòcaid. Mur cuir sinn ann an geamhail e mu ’n tig coig latha deug o’n diugh, cha ’n fhaigh sinn greim idir air. Sin agad mo bheachd-sa air a chùis, agus tha mi ’lan-chreidsinn nach ’eil mi fada cearr.” Bha Tearlach greis ’na thosd ’s e mar gu ’m biodh e eadar dhà chomhairle ciod a dheanadh e. Mu dheireadh thuirt, “An uair a thig latha thig comhairle. Theld sinn a nis a’ laidhe, air eagal gu ’n cuir sinn dragh air fear an taighe ’s air a luchd-muinntir.” B’ ann mar so a bha. Chaidh na fir a laidhe, ach cha b’e cadal an fhìrein a fhuair iad. Eadar na chuir an deoch làidir de bhruaillean ’nan cinn agus na bha ’chogais chiontach a’ cur de dhragh air na spioradan aca, cha bu luaithe a thigeadh norradh de chadal orra na thòisicheadh bruadaran uamhasach ri cur eagail agus crith orra. An àm dhaibh a bhith ’g éirigh an là-iar-na-mhàireach bha na cinn aca cho goirt ’s ged a bhiodh iad ann an àirde fiabh ruis. Is gann a b’ urrainn daibh an smaointeanan a chur an tàth a chéile. Bha Seumas anns an t-seòmar rompa, agus e cho ùrail, séimh ’na choltas an déigh an oidhche a chur seachad ann an cadal trom, foistinneach. Air dhaibh fios a bhith aca gu robh aogasg an uilc air an aghaidhean, thuirt iad ri Seumas, gu ’n do chuir an Dr. Liobhain, le chuid straidhlich is bòilich, o chadal na h-oidhche iad, agus gu robh iad ’g am faireachadh fhéin glé neònach le cion a’ chadail. Cha do chuir Seumas teagamh nach b’ e an fhìrinn a bha iad ag innseadh dha. Gun dàil sam bith shuidh iad mu ’n bhòrd a ghabhail am bidh, agus air ghaol inntinn Sheumais a chumail aig fois araon a thaobh na litreach, agus a thaobh an suidheachaidh fhein aig an àm, bha iad anabarrach caoimhneil, comhraiteach ris. Suas eadar sin agus meadhon latha, thog Seumas air gu falbh. Nam b’ fhior iad fhéin, bu glé thoil leotha e dh’ ’fhuireach latha no dhà eile ’nan cuideachd. Ach cha cheadaicheadh riaghailtean na sgoile dha sin a dheanamh ged a bhiodh toil aige. An àm dha a bhith falbh chaidh iad ceum de ’n rathad maille ris, agus mu ’n do dhealaich iad ris, thug iad air gealltainn gu ’n tigeadh e a chur seachad oidhche no dhà maille riutha mu ’n tigeadh deireadh a mhìos. Leis na thàinig de smaointeanan de gach seòrsa a steach air inntinn Sheumais, cha do chuimhnich e gu robh litir a mhàthar aige gun leughadh gus an d’ rainig e an taigh. An uair a rannsaich e gach pòcaid agus nach d’ fhuair e i, cha b’ urrainn e a ràdh co dhiubh a chaill e i air ’fhalbh no air a thilleadh. Cha do smaoinich e gu ’n cuireadh neach sam bith a làmh ’na phòcaid ’s gu ’n tuadh e aisde an litir. Cha robh e a’ deanamh mòr-ionndrainn oirre idir; oir mar bu trice cha robh ni sam bith ann an litrichean a [TD 315] [Vol. 3. No. 40. p. 3] mhàthar dhe’n deanadh neach sam bith droch fheum. Mar a b’ fhaide iad is ann bu mhò a bhiodh de dheadh chomhairlean annta. Cha robh teagamh aige nach robh an litir mu dheireadh làn de chomhairlean matha, ged nach do leugh e i. Co dhiu, cha robh feum a bhith ’caoidh an ni a chailleadh ’s nach gabhadh faotainn. An uair a bha e ’sgriobhadh gu ’mhàthair cha d’ thug i iomradh co dhiubh fhuair gus nach d’ fhuair e an litir mu dheireadh a chuir i uige. Bha e an dùil nach cuireadh i suim sam bith anns a’ chùis. Ach cha b’ ann mar so a bha. An uair a ràinig an litir a mhàthair, agus a leugh i a’ chunntas a thug e seachad air a’ chaoimhneas a nochd Tomas Taillear agus Tearlach Ros dha, ghabh i mòr-ioghnadh nach d’ thug e iomradh co dhiubh a fhuair e a litir gus nach d’ fhuair. Gun mionaid dàlach sgriobh i d’ a ionnsuidh, ag innseadh gu robh eagal oirre gu ’n deachaidh an litir mu dheireadh a chuir i uige air chall. Dh’ innis i dha mar an ceudna, gu robh i ’g a chur ’na fhaireachadh anns an litir ud air eagal gu ’n deanadh e còmpanas sam bith ri Tearlach Ros, no ri còmpanaich Thearlaich; agus thuirt i nach bu mhath leatha gu faigheadh neach sam bith gréim air an litir. B’ ainneamh leis litir fhaotainn o ’athair. Ach air a’ cheart latha so fhuair e litir uaithe. An uair a leugh e iad thuig e nach robh meas mòr sam bith aig ’athair air Tearlach. Bha ioghnadh air nach cuala e iomradh riamh gus an latha ud gu robh Tearlach ’na dhroch dhuine. Gun dàil sam bith sgrìobh e dhachaidh thun a mhàthar, agus dh’ innis e dhi gu saor, gu ’n d’ fhalbh an litir air dhòigh eiginn as a phòcaid mu ’n d’ fhuair e ùine air a leughadh, agus nach robh dad de bheachd aige c’ àite an do chaill e i. Anns an litir so thuirt e, nach fhaca agus nach d’ fhairich e ni sam bith ann an Tearlach no ann an Tomas a bheireadh air a bhith ’smaointean gu robh iad ann an dòigh sam bith mì-iomchuidh ’nan caitheamh-beatha ’s ’nan giùlan. Ach thuirt e mar an ceudna, gu’m biodh e air fhaicill rompa, agus nam faiceadh e ni sam bith annta nach còrdadh ris, gu seachnadh e iad gu buileadh ’na dhóigh sin. Thug an litir so fois inutinn dha ’athair ’s dha màthair, gu sònraichte o’n a bha barail ghlic, chrionna aca air Seumas. Thug Seumas air an làimh eile fa near nach d’ iarr ’athair no ’mhàthair air Tearlach a sheachnadh a muigh ’s a mach, ged a ghuidh iad air gun e dheanamh dlùth chompanach dhe. An uair a smaoinich e air a so, thuirt e ris fhèin gu faodadh e uair is uair greis dhe ’ùine a chur seachad ’na chuideachd fhad ’s a ghluaiseadh e e-fhein gu measail, modhail, iomchuidh. Cha robh fhios aig Tomas Taillear ’s aig Tearlach Ros gu ro mhath ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Air an aon laimh, thug greim ’fhaotainn air an litir mu ’n do leugh Seumas i, misneach mhòr dhaibh; ach air an làimh eile, bha Seumas cho glic ’s cho faicleach ’s cho seanagarra ’s a cheann ’s gu robh eagal orra nach rachadh aca air an droch rùintean a chumail math gu leòr an cleith air. Bhiodh iad gu math tric a’ bruidhinn air ciod bu choir dhaibh a dheanamh; ach cha robh iad a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an aon bheachd mu ’n chùis idir. Latha dhe na làithean thàinig Tomas le mòr chabhaig, agus le fiamh gáire air a ghnùis, a steach do ’n t-seòmar anns an robh Tearlach ’na shuidhe, agus mu ’n gann a dhruid e an dorus ’na dhéigh thuirt e, “Tha naigheachd mhath agam dhut, a Thearlaich. Tha ’n Dubh Ghleannach ’s an acarsaid, agus thuirt an sgriobair rium, gu bheil e deas gu falbh uair sam bith a bhios an soirbheas fàbharrach. Dh’ innis mi dha mu ’n ni a tha ’nar beachd a dheanamh. Bheir e leis Seumas ma gheibh e ceud punnd Sasunnach. Thuirt mise ris gu faodadh e Seumas a reic ann an ceann a deas America air son suim mhath. Ach thuirt esan, gur dòcha gu feumadh e dealachadh ri Seumas gun phris sam bith, nan tigeadh cùisean teann air. Cha robh toil agamsa cordadh teann cruaidh a dheanamh ris gus am faicinn thu fhein. Feumar an t-òganach a reic, ar neò thig e air ais do ’n rìoghachd an ùine ghoirid. Ach ma reicear e, cha chuir e dragh ormsa no orsta gu bràth.” “Mu ’n suidhich sinn ciod a theid a dheanamh feumaidh sinn an sgiobair fhaicinn an so. Feumaidh e mionnan a thabhairt air faobhar a’ chlaidheimh, nach innis e gu bràth gu ’n d’ fhuair e pàigheadh sam bith uamsa. Mur toir sinne an aire mhath ciod a ni sinn, faodaidh an lagh greim fhaighinn oirnn,” arsa’ Tearlach. (Ri leantuinn.) Na bi os ceann do chèaird no do dhréuchd, ciod air bhith a’ chèaird non dreuchd a’ dh’ fhéudas a bhi ann. Dean dichioll gu bhi ag éiridh suas ’n ad ghairm fein. Tha esan a tha togail a’ shròine ri ’obair fein, gu h-amaideach a’ connsachadh ris an aran agus ris an ìm aige fein. Is bochd an gobhainn esan a throdas ris na sradaibh a dh’ éireas o’n innein aige fein. Cha ’n ’eil nàire no masladh ceangailte ri’ gairm onairich sam bith. Na biodh eagal ort do lamhan a shalchadh oir tha ’n t-uisge chum an glanadh gu saor, pailt r’a fhaotuinn. Tha gach ceaird maith do’n luchd-cheairde—ach dean faicill an aghaidh aon ni,—’s e sin an leisg. Tha na’s leoir r’a dheanamh ’s an t-saoghal so air son gach paidhir làmh a gheibhear ann; agus feumaidh sinn obair a dheanamh chum gu’m bi an saoghal na’s beartaiche air duinn a bhi ’gabhail còmhauidh ann. Is fhad o’n chual sinn nach “leig an leisg da deoin duine air slighe chòir sam bith.” S. Is lionmhor iad a ta ann an cabhaig gu fàs beartach, a chi gur amaideach an giùlan fein, oir feuchaidh beagan ùine gu ’m bheil iad ann an cabhaig gu bhi air an creach. Is iad na daoine a shaoithricheas gu foirfe, ciùin, stòlda, na daoine a’s fearr a shoirbhicheas anns an t-saoghal. Is tric leo-san d’ an cleachd a bhi ’deanamh nithe gu cabhagach, gu ’m féum iad na nithe céudna a dheanamh dà uair. Chuir oganach coir, àbhachdach, a’ cheist roimhe so r’ seann mhaighdinn uasail, a bha air an taobh thall de leth-cheud, agus thubhairt e rithe, “Ciod i do bharail-sa a nis, a bhean-uasal, urramach, mu thimchioll posaidh?” “Mu thimchioll posaìdh,” ars ’ise, “Tha e ceart cosmhuil ri euslainte sam bith eile, an uair a tha beatha ann, tha doshas.” Ma tha duine dichiollach, cùramach, agus glic, tha e cinnteach gu ’n teid gach cùis leis; agus tha a ghiulan a’ cur deagh eiseimpleir roimh gach sean agus og mu’n cuairt da. [TD 316] [Vol. 3. No. 40. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, APRIL 6, 1895. Tha Parlamaid Chanada ri bhi air a fosgladh Dior-daoin an ochdamh latha deug dhe’n mhios so. A reir gach coltais cha bhi i ’na suidhe ach ùine glé ghoirid; cha bhi moran de ghnothaichean cudthronach sam bith air an cur fa ’comhair. Cha’n eil teagamh nach bi aig an dùthaich ri pàrlamaid ùr a taaghadh roimh mheadhon an t-samhraidh. Tha Breatuinn ’s an Fhraing an dràsda car a mach air a chéile. Bha ’n Fhraing o chionn fhada feargach a thaobh Breatuinn a bhi ’ga deanamh fhéin cho làidir ann an Africa. Tha Breatuinn gach bliadhna a’ gabhail còir air raointean mora anns an dùthaich fharsuinn sin, agus tha an gnothnach a’ fàs coltach gu’m bi a’ chuid a’s motha de thir nan daoine dubha fo a riaghladh mu’n stad i. Tha ’n Eiphit anns an airde tuath, fo ’spoig o chionn àireamh bhliadhnachan; tha ’n àirde deas aice o chionn fhada; agus tha i a sior mheudachadh a criochan anns an àirde ’n iar. Cha’n eil aig an Fhraing mar sin ach a bhi deanamh air a son fhèin mar a dh’ fhaodas i, agus tha i a’ gabhail na cùise glè dhona. Bha i, a réir coltais, o chionn ghoirid, a’ bristeadh a stigh air criochan mhor-roinnean air a bheil Breatuinn ag agairt còir, agus tha sin an deigh corruich mhor a chur air an luchd-riaghlaidh ann an Lunnuinn. Tha iad a’ cur rompa nach leig iad leis an Fhraing a dhol na’s fhaide air adhart neo gu’m bi cogadh ann. Tha i ’n deigh a’ bhi cur conais orra cho fada ’s gu bheil iad air fàs seachd sgith dhith. Tha ’n da dhùthaich an drasda glé abuich gu cogadh; tha naimhdeas mor aig an da shluagh dha chéile, agus dheanadh ni glé shuarach an cur a gheurachadh an claidhmhnean. Tha dòchas co-dhiu gu’n teid an gnothuch thairis gu sitheil. Tha ’n saoghal fada gu leór air ais aig a cheart àm, ged nach tòisicheadh cogadh. Nigh’n Donn na Buaile. A nighean donn na buaile, D’am beil an gluasad farasda; Gu ’n d’thug mi gaol cho buan duit, ’S nach gluais e air an Earrach so. Mheall thu mi le d’ shùgradh, Le d’ bhriodal a’s le d’ chiùine; A’s lub thu mi mar fhiùran, ’S cha dùchas domh bhi fallain uaith. Do chul donn daite an òrdugh, Gu bachdlach, bòidheach, camagach, T’ aghaidh fhlathail, chòmhnard, Mar ite ’n eòin do mhalaichean; Da shuil chorrach, mhiogach, Rosg glan a’ cumail dion orr; Do ghruaidhean meachair, mine, Do phòg mar fhioguis mheanganan. Mar reul a measg an t-sluaigh thu, ’N am gluasad a chum tionalaidh; Cha tugadh Bhenus buaidh ort, ’S ard thug do shnuadh-sa barrachd oirr; Chit’ am fion a’ dealradh, An am dol sios tre d’ bhraghad; Gur math thig siod’ ’n càramh, Mu mhuineal ban na h-ainnire. Do sheang chorp, fallain, sunntach. Nach do chiurr an an-shocair ’N uair rachadh tu air ùrlar, Bu lùthar anns na caraibh thu; Le calpannan deas, bóidheach, Cruinn, cumadail, neo-lòdail; Troigh chruinn ann am broig chòmhuaird. Nach toir air feornein carachadh. Do bheul o’m binn thig òrain, Ceòl agus ceileirean. Gur binne leam do chòradh, Na smeòrach air na meanganan. O ’n chuir mi ’n tus ort eolas, Gun tug mi gaol co mor dhuit, ’S mur faigh mi thu ri phosadh, Gu ’n cuir am bron fo ’n talamh mi. Na ’m b’ e ’s gum biodh tu deonach, ’S ’gum pòsamaid an ath-ghoirid, Cha ’n iarrainn leat do stòras, Ach còmhdachadh na banaraich. Ged b’ leamsa an Roinn-Eorpa, ’S America le mhòr shluagh, Nam’ faighinn dhomh fein coir ort, Bu leat gach stor ’s gach fearann diu. A ghaoil na creid droch sgeul orm, Ge’ d’ robh luchd bhreug a labhairt riut; Tha m’ inntinnse co reid dhuit, ’S nach bi aon seud ann an-fhios duit. Ge d’ their iad riut le bòilich, Gur beag leo mo chuid stòrais; A chaoidh cha chùram loin duit, ’S an righ cur seol air aran duinn. Minard’s Liniment a’s fhearr. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 317] [Vol. 3. No. 40. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thuit meall mor sneachda air taobh an iar an eilein deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha ’n stoirm moran na bu truime ann a sin na bha i ’n taobh so. Dh’ fhalbh am bàta-smùid “May Queen” á Sidni Tuath Di-màirt. Bha i ’dol an toiseach gu Baddeck agus as a sin falbhaidh i air a cuairtean ábhaisteach cho luath ’sa leigeas an deigh leatha. Chaidh an carbad-iaruinn bhar an rathaid faisg air Charlottetown, toiseach na seachdain s’a chaidh, agus rinneadh milleadh mor air. Chaidh dithis a leònadh, ach cha do mharbhadh duine. Tha e coltach gu ’m bi rathad-iaruinn air a thogail a’s t-samhradh eadar Winnipeg us Hudson Bay. Tha daoine cur air a mhanadh nach mor feuma ni e ’n deigh a thogail. Ach mar a tuirt an dall, “chi sinn.” Dh’ fhalbh an t-Urr. D. Drummond, a bhean ’sa nighean, air chuairt do na Stàitean Di-màirt s’a chaidh. Tha litir a fhuair sinn a New York ag innse gu bheil Gàidheil a’ bhaile sin a’ dol a chur fàilte chridheil air. Tha ’n “grippe” gu math pailt air feadh na dùthcha aig an àm so. Tha mòran tinn leatha, ach cha ’n eil i cho marbhteach ’sa bha i bliadhnaichean roimhe. Cha ’n ann mar sin a tha ann an dùthchannan eile. Ann am Breatuinn, tha moran a falbh leatha. Chaochail boirionnach òg a mhuinntir Hogamah a muigh ann am Bute, Montana, air a mhios s’a chaidh, agus thainig a corp dhachaidh air an ochdamh latha deug. Bu nighean i do Chaiptean Eachunn Mac Gilleain, agus bha i posda aig fear Aonghas Camaran. Cha ’n eil ach mu bhliadhna o’n phòs iad. Chaidh fear Iain McKelvie a mharbhadh ann an Naw Brunswick an la roimhe, ’s e a’ feuchainn ri dhol thairis air an rathad-iaruinn. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us coignear chloinne. Cuin a dh’ ionnsaicheas daoine cumail cuibhteas an rathad-iaruinn ’nuair tha ’n carbad faisg orra. ’S ioma duine chaill a bheatha air an doigh so a bhiodh beò fhathast na’n robh e air dail da mhionaid a dheanamh. Thàinig fear Donnacha Mac Fhionnlaidh ri ’bheatha fhéin aig a Mhéinn Uir deireadh na seachduin s’a chaidh. Bha e as a rian o chionn treis a dh’ ùine, agus bha e ’san tigh-chaothaich ann a’ Halifax fad a’ gheamhraidh. Thugadh dhachaidh e o chionn sia seachduinean, ’an dùil gu robh e ’na àite fhéin a rithist, ach thosich e ri dhol na bu mhiosa ’an ùine ghoirid. ’Sa mhaduinn Dior-daoin chaidh e mach dh’an t-sabhal, agus ghearr e a sgòrman le ràsar, agus ’nuair fhuaireadh e bha e marbh. Mu’n àm so an uiridh chaidh a leònadh gu dona anns a’ mhèinn, agus mios ’na dheigh sin, chaidh mac dha, aois fhichead bliadhna, a mharbhadh. Tha e ro choltach gu’n d’ oibrich na trioblaidean sin air an inntinn aige gus an deachaidh e as a rian. Tha an sneachd a’ falbh gu math bras air an t-seachdain so. Thuit frasan troma uisge feasgar Di-ciaduin a chuir greasad air. Ma leanas an t-side bhlàth cha’n fhada gus am bi sinn cuibhteas e gu buileach. Bha teine mor ann an Snmmerside, P. E. I., Di-sathairne s’a chaidh. Bha fiach deich mile fichead dolair air a losgadh eadar thaighean ’s na bha na’m broinn. Thòisich an teine ann an oifig paipear-naigheachd. Tha na madaidh-alluidh gle phailt ann an Ontario fhathast. Phàigh Riaghladh na dùthcha faisg air coig ceud gu leth dolair an uiridh mar dhuaisean air son cur as daibh. Tha iad gle mhillteach ann an iomadh àite. Tha e air a ràdh gu bheil a bhreac anabarrach pailt ann a’ Chicago, cho pailt ’s gu bheil paipearan-naigheachd a’ bhaile air a dhol ann an co-bhonn gus an gnothuch a chumail am falach. Bha tigh-eiridinn ùr air a chur suas o chionn ghoirid, agus tha e cheana cha mhòr luma làn de luchd na bric. Tha dithis no triùir de Shìneich ann an Sidni an dràsda ’s iad a’ dol a thòiseachadh air cumail tigh-nigheadaireachd. Cho fad ’s is aithne dhuinn, ’s iad so na coud theachdairean a thàinig riamh an rathad so as an Iompaireachd Nèamhuidh, mar a their iad fhéin ri ’n dùthaich. Bi’dh iad na’n seòrsa de dh’ ioghnadh le daoine an so gus am fàs iad cleachte riutha. Thainig bàs gle aithghearr air fear Alasdair Domhnullach, seann duine còir a bha ’fuireach air Clarkes’ Road. Bha e tighinn a stigh as an t-sabhal, agus thuit e marbh. Bha e ’gearan greim ’na thaobh fad dha no tri lathaichean roimhe sin. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist a chinn a tuath. Tha iad ag radh gu’m b’e leughadair Gàilig cho math ’sa bha ’san àite. Chaochail Iain Mac Gill-Fhinnein aig an Amhuinn Mheadhonaich, air an treas latha fichead dhe ’n Mhàrt. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’ aois. Bu bhràthair e do Ruairidh ’s do Dhonnacha Mac Gill-Fhinnein a chaochail ’sa bhaile so o chionn da bhliadhna. Cha robh bristeadh riamh anns an teaghlach gus an do chaochail Ruairidh, agus a nis tha còignear dhiubh fo’n fhòd. Dh’fhág Iain bantrach agus ceathrar mhac. Bi’dh càirdean a’ feòrach dhinn o àm gu àm cuin a tha duil againn am paipear a mheudachadh. Faodaidh sinn a ràdh mar a thuirt sinn roimhe, gu’m meudaich sinn e cho luath ’sa chuireas ar càirdean ’nar comas e. Tha dòchas againn gu’n téid againn air a mheudachadh toiseach Iulaidh, ach cha ’n urrainn dhuinn a bhi cinnteach gus am faic sinn ciamar a dhéiligeas an luchd-leughaidh ruinn. Ma ni gach duine a dhleasnas bi’dh e ’nar comas am paipear a mheudachadh an uair sin, agus theid a dheanamh. Mur téid a mheudachadh, cha’n ann againne bhios a’ choire. Minard’s Liniment air son Loine. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART INGRAHAM MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 318] [Vol. 3. No. 40. p. 6] AN GOBHAINN SANNDACH. Bha taillear agus gobhainn a’ tilleadh le cheile air feasgar araidh á baile anns an robh iad ag obair air an ceirdibh fa-leth. Mar bha am feasgar a’ teannadh orra, chunnaic iad a’ ghrian a’ dol sios air cul nam beann, agus a’ ghealach ag eirigh ’s an airde n-ear. Aig a’ cheart am chual iad, fad as, ceòl binn a bha a’ fas na bu chruaidhe mar a ghabh iad air an aghaidh. Bha an fhuaim car neo-thalmhaidh, ach bha i cho anabarrach binn ’s gu ’n do dhi-chuimhnich iad an sgios, agus ghabh iad an rathad le ceumaibh sunndach. An deigh doibh dol beagan astair, rainig iad aoinidh ghrinn, far am facaidh iad bannal de dhaoine agus de mhnathaibh beaga, greim aca air lamhan a cheile, agus iad a’ dannsadh gu h-aighearach ris a’ cheol a chual iad. Ann an teas-meadhoin na cuairt mu ’n robh na sithichean a’ dannsadh, sheas seann duine daigeil, beagan na b’ airde ’s na bu shultmhoire na càch. Bha cota de iomadh dath air a dhruim, agus bha ’fheusag cho geal ris an t-sneachd a’ ruigheachd sios gu ’bhroilleach. Sheas an taillear agus an gobhainn ag amharc le mor-ioghnadh air na dannsairean, ’n uair a smeid an seann duine riutha, agus rinn na daoine-beaga bealach dhoibh chum ’s gu ’n tigeadh iad an taobh stigh d’ an chuairt. Bha an gobhainn ’n a dhuine gaisgeil, le croit bhig air a dhruim, ’s leum e stigh ’n am measg gun sgath, ach bha an taillear an toiseach car gealtach, agus sheas e air ais. An ceann beagan uine, ged tha, air faicinn da cho aoidheil agus cho suilbheara ’s a bha iad, ghlac e misneach, agus chaidh e stigh do ’n choisir leis a’ ghobhainn. Ghrad dhuin na sithichean m’ an timchioll mar mhuinntir air mhearachinn. Am feadh a bha so a’ dol air aghaidh, tharraing an seann duine ’bha ’s a’ mheadhon, sgian mhor a bha ’n crochadh r’a chrios, gheuraich e air cloich i, agus a’ feuchainn a géiread le barr a mheoir, thionndaidh e agus sheall e air na coigrich air mhodh a thug orra critheachadh le h-oillt. Cha deachaidh an cumail fada an imcheist, oir rug am bodachan air a’ ghobhainn, agus ann am priobadh na sul, ghearr e dheth a h-uile rib fuilt a’s feusaig le aon sguidse! Thionndaidh e’n sin ris an taillear, agus rinn e ’n cleas ceudna airsan. Ach dh’ fhalbh an geilt an uine ghoirid, oir, an deigh do ’n t-seann duine an gnothuch a chur seachad mar so, thainig e agus dh’ fhàiltich e gu cridheil iad, a’ bualadh a lamh air an guallainn, mar gu ’m b’ ann ’g am moladh air son cho éasgaidh ’s a cheadaich iad dha an lomadh. Chomharraich e mach dhoibh an sin dun guail a bha dluth ’laimh, agus smeid e orra iad a lionadh am pòcannan. Fhreagair iad e, ged nach robh fios fo’n ghrein aca ciod am feum a bhiodh anns a’ ghual doibh. An sin thog iad orra ’s dh’ fhag iad na daoine-beaga, oir bha e ’fas anmoch, ’s bha toil aca amas air codaichean-oidhche. Direach mar rainig iad an gleann, chual iad clag a’ bualadh da uair dheug. Ghrad sguir an ceol, shiolaidh na daoine-beaga air falbh mar sgàile, ’s laidh an aoinidh gu tosdach, ciuin fo sholus fuar na gealaich e. An ceann ghreis rainig na coisichean tigh-osda aig taobh an rathaid, ach cha robh an sin doigh air an cur suas mur laidheadh iad air boitean connlaich; rud a rinn iad gu toileach, ’g an sineadh fein a sios, le ’n aodaichean orra mar bha iad, agus iad tuilleadh ’s sgith gu smaointeacheadh air am pocannan ’fhalachadh d’ an ghual. Moch air madainn, fada na bu trathaile na b’ abhaist doibh, dhuisg cudthrom a’ ghuail iad as an cadal, agus ’n uair chuir iad an lamhan ’n am pocannan, is gann a chreideadh iad an suilean air faicinn doibh, an aite guail, gur ann a bha an lamhan lan de dh-òr fior-ghlan! Cha bu lugha an t-ioghnadh a bha orra an uair a mhothaich iad gu ’n robh an cinn air an comhdach le falt. Bha iad ann an tiota air fàs beairteach; ach air do ’n ghobhainn a bhi ro shanndach ’n a nadur, lion e an dà phòca leis a’ ghual, air alt agus gu ’n robh a dha urad òir aige ’s a bha aig an taillear. An deigh so uile cha robh e lan thoilichte, agus chuir e an ceann a chompanaich gu ’m fuireadh iad gus an ath latha, gu ’n rachadh iad air an ath fheasgar agus gu’m faigheadh iad tuilleadh òir as a bhodachan bheag. Dhiult an taillear so a dheanamh. “Tha gu leoir agam” ars’ esan, “agus tha mi buidheach, riaraichte. Cha ’n ’eil a dhith orm ach cur suas air mo laimh fein, a’ mhaighdean àillidh air am bheil mo ghaol a phosadh, agus an sin tha mi am dhuine sona.” Coma-co-dhiubh, a thoileachadh a charaid, dh’ fhan e latha eile ’s an tigh-osda, agus anns an fheasgar thog an gobhainn air leis fhein, le da phoca air a ghuallainn, agus rainig e an aoinidh. Fhuair e na daoine beaga a’ dannsadh agus a’ seinn mar a bha iad an fheasgar roimhe. Ghabh iad gu cairdeil a stigh do ’n chròileachan e, thug an seann duine dheth a rithist am falt ’s an fheusag, agus smeid e ris mar a rinn e roimhe ’thoirt leis uidhir ghuail ’s a thogradh e. Cha d’ iarr an gobhainn na b’ fhearr; cha ’n e mhain gu ’n do lion e a phòcannan ach an da phoca-saic cuideachd, agus thill e dhachaidh lan gairdeachais a’ smaointeachadh air a dheadh fhortan. Ged nach d’ fhuair e leaba an oidhche sin, laidh e sios le ’aodach air mar bha e, ag radh: “Mothaichidh mi an uair a dh’ fhasas an t-òr trom; duisgidh e mi;” agus mu dheireadh thuit e ’n a chadal air a lionadh le duil chinntich gu ’n duisgeadh e anns a’ mhadainn lan maoin agus saoibhreis. Cha luaithe dh’ fhosgail e a shùilean na ghrad leum e suas, agus thoisich e air a phocannan a rannsachadh; ach ciod a bu mhò a b’ ioghnadh leis na am faighinn lan de ghual salach, dubh, mar a bha iad roimhe! Thilg e ’mach lan duirn an deigh lan duirn ach gun aon chrioman òir. “Cha ’n ’eil atharrach air” ars’ esan; “tha agam fathast an t-or a fhuair mi a’ chiad oidhche—tha a’ chuid sin cinnteach gu leoir;” ach an uair a chaidh e a shealltainn bha e uile air fàs ’n a ghual a rithist, agus bha e air ’fhàgail gun pheighinn an t-saoghal! Chuir e a lamhan salach a suas air a cheann ach bha e gun rib fuilt agus a smig cho mìn ri bonn a choise. Ach cha b’ e so fathast crioch a mhi-fhortain, oir bha a’ chroit a bha air a dhruim an deigh fàs fada na bu mhomha na bha i riabh. An uair a chunnaic e mu dheireadh gu ’n robh e a’ fulang peanais air son a shanntachd thoisich e air bron ’s air caoidh gus an do dhuisg e an taillear còir. Chomhfhurtaich esan e mar a b’ fhearr a dh’ fhaod e, ag radh ris gu caoimhneil agus gu fialaidh, “sguir de d’ chaoidh; bha sinn ’n ar companaich agus ’n ar luchd-turais le cheile agus a nis is e do bheatha fantainn leamsa agus co-roinn [TD 319] [Vol. 3. No. 40. p. 7] a ghabail de m’ chuidse; bidh gu leoir ann duinn le cheile.” Sheas e ri ’fhacal; ach cha d’ fhuair an gobhainn riabh saor ’s a’ chroit a bha air a dhruim, agus b’ eiginn da daonnan tuille boineid a chaitheamh a dh-fholach a chinn mhaoil, sgailcich. Eador. le SIUCRAM-CAM. Cuir Minard’s Liniment ri d’ fhalt. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd Tha so air a chumail do C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B Feb. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 320] [Vol. 3. No. 40. p. 8] A’ Chlarsach, No ’Chruit. Tha Chlàrsach no ’Chruit ’n a h-inneal-ciùil a tha anabarrach sean. Cha robh ach sia téudan air a’ chruit a ghnàthaicheadh ’s na céud lìnntibh ann an Alba, ’s ann an Eirinn, ach an déigh sin, chaidh barrachd thèud a chur am féum. Bha meas air a’ chruit na’s mò na bha air inneal-ciuil sam bith eile, agus tha fios againn o sheann bhàrdachd, co maith us o sheann eachdraidh, gu’m bheil an t-inneal sin co aosda ris na Gaidheil fein. Is e cruit a bhi aig neach sam bith aon de na tri nithibh a bha gu dheanamh ’n a dhuin’-uasal, agus ’n a dhuine saor. Cha’n fheudadh a dhànadas a bhi aig fear sam bith amharc air fein mar dhuin-uasal mar biodh cruit aige, agus cumhachd cluicheadh oirre. Air an làimh eile, cha robh a chridhe aig traillean sam bith làmh a chur air clàrsaich, do bhrìgh an sin gu’m biodh iad air am meas uasal, agus uime sin, cha robh e ceaduichte dhoibh fein ceòl ionnsachadh, no ceadaichte do neach eile a theagasg dhoibh. B’ iad righrean, agus luchd-ciùil nan righrean, àrd-mhaithean agus uaislean na tire aig an robh comas clàrsaichean a bhi ’n an ionadaibh-còmhnuidh. Dh’ fhéudadh ard-usual clàrsair a bhi aige, ach cha’n fhéudadh an clàrsair sin cluicheadh ach am feadh ’s a bha e fo cheangal aig a’ mhaigstir fein. Ged a thuiteadh duin’-uasal sam bith ann am fiachaibh, cha’n fhéudadh an lagh greim a dheanamh air a chlàrsaìch air son nam fiach; oir air dha a bhi dh-easbhuidh na clarsaiche, chailleadh e ’urram fein, agus bhiodh e air a mhaslachadh gu inbhe tràille. Tha am mòr-mheas céudna air a’ chlarsaich am measg nan Lochlunnach. Bha iad air am meas ’n an uaislibh le lagh na dùthcha a chluicheadh oirre, air an dion o gach cunnart, agus air an teasairginn o gach peanas. Agus cha’n e sin a mhòin, ach bha iad air an toirt a stigh do’n chuideachd a’s urramaich, agus bha gach onoir agus meas air am buileachadh orra. Ach mar a bha linntean a’ ruith seachad bha na cleachdaidhnean so ’g an cur a chuid ’s a chuid air chùl. Tha’n earrann mu dheireadh dhe’n bhàrdachd mhaisich a rinneadh ann an linntibh fad fad air ais’ ris an abrar “Miann a Bhaird Aosda,” a nochdadh dhuinn ann am briathraibh tlà, am meas a bha aig an t-seann fheardàn sin air a’ chruit fein, oir thubhairt e:— Ach O! mu’n tig i, seal ma’n triall mo cheò Gu teach nam bàrd air Ard-bheinn as nach till, Fair cruit ’s mo shlige dh’ ionnsuidh ’n ròid, An sin mo chruit, ’s mo shlige ghràidh, slàn leibh! SGIATHANACH. Tha mi creidsinn gu leighis MINARD’S LINIMENT Amhach Ghoirt. Riondald, MRS. REUBEN BAKER Tha mi creidsinn gu’n toir MINARD’S LINIMENT air falt fàs. MRS. CHAS. ANDERSON. Stanley, P. E. I. Tha mi creidsinn gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn. METHIAS FOLEY, Oll City, Ont. Chaidh ceathrar dhaoine a bhàthadh aig Uihhist a chinn a Tuath air an ochdamh latha deug dhe’n Mhàrt. Bha fear dhiubh Tormad Domhnullach, a’ dol gu cùirt a Loch-na-madadh, agus bha ’n triùir eile, Iain Mac-a-Bhiocair, Iain Dùghlach, agus Iain Domhnullach, ’ga aiseag a null. Chunnacas am bàta ’dol fodha, ach mu’n d’ ràinig cuideachadh iad bha cheathrar air am bàthadh. Cha d’ fhuaireadh ach fear dhe na cuirp. Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. An caraid a cheannaicheas sinn le tiodhlacan gabhaidh e ceannach uainn. WENTWORTH HOUSE. BATHAR UR! BATHAR UR! AODAICHEAN, BROGAN, SIUCAR, TI. TI MHATH AIR TASDAN! LEINTEAN CURRAICHDEAN, ADAN. Gach Seorsa Bathair ’s gach ni Saor. D. J. DOMHNULLACH. [TD 321] [Vol. 3. No. 41. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 13, 1895. No. 41. A Antigonish. Tha sinn an dràsd ag toirt ionnsaidh air òraidean a’ sgriobhadh anns a Ghàidhlig. So an ceasnachdh a tha againn ’sa chlass. Faodaidh mi ràdh gur ann air reir luach na h-oraidean so a theid na duaisean, a thug ar càirdean dhuin, a thoirt seachd. Thug an litir mu dheireadh a sgriobh “Cabar Feidh,” anns a MHAC-TALLA, moran toileachadh dhuinn a chiunn gu bhile sin fhéin a’ fiachainn ris na seann chleachdaidhean a chumail suas. Agus gu dearbh thogadh e ur cridheachan na faiceadh sibh na gillean gasda a suidhe còmhla a h-uile oidhche diluain ag gabhal nan seann òran, agus a leubhadh nan seann sgeulachan. ’Siomadh uair a chuala sibh roimhe iad, ach cha dubhairt sin dad; bha iàd riobh milis, blasda, binn agus bithidh iad sin gus an cùrar an Gàidheal fa dheireadh fo’n fhòd. Thug an t-Urr. A. MacGilleain Sinclair d’an chlass, o chionn beagan sheachduinnean, còig d’a leabhraichean air na Bàird Ghàidhealach o 1715 gu 1765, agus aon de leabhraichean air sluaigh agus canainean an t-saoghail. Cha robh e riamh air deireadh ’n uair a bhiodh a Ghàidhlig ri cumail suas. Tha sinn a toirt moran taing dha. Tha e gle iongantach nach ’eil Gaidheil Cheap Breatuinn a’ togail orra agus a deanaimh an dichioll gus class Ghàidhlig a chuir air a chois. Dh’fhaodhaidh iad so a dheanaimh anns na bailtean co-dhiu, fear am beil an deagh chothrom aca. A chlannaibh nan Gaidheal, togaibh oirbh, agus cuidicheabh iadsan a tha deanaibh an dichioll gus an cànain a chumail suas; agus na bitheabh diochuimhneach air a MHAC-TALLA; ’se so dùrachd AONGHAIS. Oil-thigh Antigonish, April 4, ’95. Meudaichidh càirdeas ar n-aoibhneas agus lughdaichidh e ar bron. A Eilean a Phrionnsa. Fhir deasachaidh choir:—Sgriobhainn do’r ’n ionnsuidh na bu trice mar bhiodh gu bheil mi tuigsinn ò’n MHAC-TALLA fhein gu bheil an da-iàrann-dhiag ’san teallach agaibh. Thug mi dhuibh roimhe seo cunntas air cuid do na h-eilthireich a thàinig do’n Eìlean, ach bha e air a ghearradh goirid—coltach ri aodach air am biodh inneadh. Chaidh pairt dheth air chall; bha e cho math; cha robh ann ach “taogan caol is taogan ramhar.” Fhuair mi ’n t-oran a leanas o charaide còir. Bheir mi dhuibh a chunntas fhéin air mar a fhuair easan e. “Rinnedh an t-oran a leanas le Calum Bàn MacMhannein, aon dhe’n luchd-imrich air an t-soitheach ainmeil “Polly” a sheòl a Phortrigh toiseach an t-samhraidh 1803; agus a leag an t-acair ann an Bàgh Orwell air an 18mh la do chiud mhios an Fhogair ’sa bhliadhna sin, le ma thiomchioll ochd ciad luchd imrich. Tha ’n t-oran tòiseachadh le bhi toirt cunntas orra fàgail acarsaid Phortrigh, agus a seòladh cunnardach measg chreagan ’us eileanan air taobh an ear agus tuath an Eilean Sgiathanaich gus an d’fhuair i sàbhailte gu cuan mor. Tha e ri thuigsinn o’n oran gu robh laimhseachadh “Polly” air earbsa ris a chuid bu chomasaiche ’sa b’ eòlaiche ’measg an luchd imrich fhad sa bha feum orra. Tha e ’cur sios gu cruaidh air an-iochdmhorachd a Bhaillidh agus a’ toirt comhairl’ air daoine teicheadh o ain-tighearnas nan uachdaran. Tha e criochnachadh le bhi moladh Eilean a’ Phrionnsa do dhream aig am biodh sùil ri tigh’n a nall. Air an 29 do’n Mhàrt ’sa bhliadhna 1883 sgriobh mi sios an t-òran agus am fonn, mar a ghabh seann duine dhomh e (aois, cheitheir fichead bliadhna ’sa coig) a dh ionnsaich e ann an làithean òige a bheul an ughdair. Tha e ro coltach gu robh am fonn air a dheaaamh le aon do na Mic-Crimein. Tha ’n t-oran na shamhla fior air a Ghàilig dhùchasaich, mara bha i air a labhairt ’san Eilean Sgiathanach corr is ciad bliadhn’ air ais, oir cha b’urrinn an t-ùghdar aon chuid sgriobhadh no leughadh.” Nise tha mi ’cur mo mhile beannachd a dh’iunnsidh nan càirdean an taobh thall do’n chuan mhor, a tha cho cuimhneach oirrnn, “Iain” agus “Cabar Feidh” us Creag-an-Fhithich.” Rinn mi toileachas mhor ris an litir á Bhaltos. Tha mi ro thoilichte mar tha MAC-TALLA soirbheachadh agus a Ghàilig a tigh’n beò. Is mise Murchadh mac Aonghais, ’ic Iain, ’is Mhurchaidh Bhuidhe, ’ic Iain, ’ic Dhunnchidh, ’ic Dhomhnuill. ’ic Mhùrchidh, ’ic Dhunnchaidh ’ic Choinnich; agus tha mic ’us oghaichean agam. Ni sin da-ghlun-dhiag. Air taobh mo mhàthar ’s mi Murchadh mac Catriana nighean Dhòmhuill, ’ic Uilleam, ’ic Dhomhnuill, ’ic Uilleam ’ic Aonghais, ’ic Alastair. MURCHADH LAMAN. Baile-’n-Tobair, E. P. I, 2, 4, ’95 Tha dearrsa aig siorbheachadh saoghalta a ta ealamh air sùilean dhaoine a dhalladh. An uair a chithear duine ag éiridh suas anns an t-saoghal, tha beachd agus barail ro mhòr air an gabhail dheth. Theihear, “Nach iongantach an duine so a dh’-eirich co h-ealamh suas?” Cha’n ’eil smuain idir air a gabhail mu’n fhirinn gur iad an duslach, a’ chonnlach, agus na h-itean nithe gun chudthrom, agus air bheagluach na nithe gidheadh a’s luaithe agus a’s ealamh a dh’èireas suas. Cha’n iad an còmhnuidh na daoine mora agus maithe a’s luathe a dh’ eireas suas gu maise agus moralachd shaoghalta. Bidh càirdean gu leor aig an fhear a bhios fialaidh. [TD 322] [Vol. 3. No. 41. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB XI. Air feasgar àraidh choinnich Tomas Taillear, Tearlach Ros, agus sgiobair na Dubh-ghleannaich ann an aon de na taighean-òsda a bha faisge air an acarsaid anns an robh an Dubh-ghleannach aig acaire. B’ e an t-aobhar sònraichte a bh’ aca air son a chéile a chonneachadh anns an àm, a chum gu suidhicheadh iad, anns an dòigh a b’ fheàrr a b’ urrainn daibh, cia mar a gheibheadh iad greim air Seumas, gus a chur gu bog, balbh, sàmhach air bòrd ’s an Dubh-ghleannach. An uair a chuir iad greis mhath de ’n fheasgar seachad a’ bruidhinn, ’s gun iad de ’n aon bharail mu ’n chùis, chaidh iad ’n an triùir air bòrd ’s an Dubh-ghleannach. Mu ’n do dhealaich iad ri ’chéile chuir iad gach cùis an òrdugh cho math ’s a ghabhadh deanamh. Bha ’n sgiobair ri cuid de ’n phàigheadh ’fhaotainn an uair a gheibhteadh Seumas air bòrd, agus bha e gus a’ chuid eile dhe fhaotainn an ceann bliadhna. Bha Tomas Taillear fo ghealladh an t-airgiod a phàigheadh do ’n sgiobair; oir cha robh sgillinn aig Tearlach Ros a bheireadh e dha. Ach an uair a gheibheadh Tearlach oighreachd Cheann-Locha bheireadh e a chuid fhéin air ais do Thomas. B’ i a’ cheisd bu chruaidhe a bh’ orra, cia mar a gheibheadh iad Seumas air bòrd gun fhios do gach neach. Nan tugadh iad cuireadh dha gus e thighinn a chur seachad latha no dhà maille riutha, is dòcha gu faighéadh an lagh greim orra nan éireadh tubaist sam bith dha. Dh’ fheumadh iad a bhith comasach air an leithsgeul fhéin a ghabhail gu math ’s gu ro mhath ann an làthair nan uile, an uair a thòisicheadh seirbhisich an lagha ri sireadh Sheumais. Mu dheireadh is ann a shuidhich iad, gu ’n gabhadh sgiobair na Dubh-ghleannaich os làimh a ghoid leis gu bog, balbh, air bòrd. Cha bu luaithe a bha ’n sgiobair gu so a dheanamh na bha Tearlach gu sgrìobhadh dhachaidh gu ’athair, a dh’ innseadh gu ’n do theich e air falbh air luing a bha ’seòladh do na rìoghachdan thall. Gus an gnothach a chur an dara taobh gun dàil, chuireadh litir gu Seumas a dh’ iarraidh air e thighinn do ’n bhaile a dh’ fhuireach maille riutha fad latha no dhà. Thachair anns an àm gu robh an sgoil air a dùnadh fad beagan làithean. Agus o ’n a bha so mar so, bha Seumas làn-dheas gus an cuireadh a ghabhail. Gun fheitheamh ri fios a chur roimhe gu robh e gus an coinneachadh anns a’ bhaile far an d’ iarr iad air, ’s ann a ghrad dh’ fhalbh e cho luath ’s a fhuair e deiseil. An uair a ràinig e, cha robh fear dhiubh roimhe ’s an taigh. Chuir so car de dh’ ioghnadh air; ach an uair a smaoinich e nach do chuir e fios uca gu robh e gu ruighinn, thuirt e ris fhèin gu faodadh gu robh iad a mach air cheann gnothaich dhaibh féin air feadh a’ bhaile. Air eagal gu ’m biodh e gabhail fadachd ’s an taigh ’s gun neach ann air an robh eòlas sam bith aige, smaoinich e gu rachadh e sgrìob a mach air feadh a’ bhaile, gun fhios nach tachradh iad ris air na sràidean. Ghabh e ceum air a shocair fhéin sìos an t-sràid, agus e gu geur a’ gabhail beachd air gach neach a bha e ’faicinn, agus mar an ceudna air an rathad a bha e ’gabhail, air eagal gu rachadh e iomrall air feadh a’ bhaile. Mu dheireadh ràinig e an cladach, agus sheas e car greise ag amharc air na bha de loingeas de gach seòrsa agus meudachd air acaire ann am bun na h-aimhne a bha ruith troimh ’n baile. Bha e ’miannachadh a dhol cuairt a mach a dh’ fhaicinn nan long ann an tè de na bàtaichean beaga a bha ann an oir na tuinne; ach thuirt e ris fhéin gu ’m b’ fheàrr dha a dhinneir a ghabhail ann an aon de na taighean-òsda a bha faisg air laimh mu ’n rachadh e ni b’ fhaide. Thill e air ais agus chaidh e steach do ’n taigh-òsda a b’ fhearr coltas a bh’ anns an chuid ud de ’n bhaile. Cha bu luaithe a chaidh e steach na threòraich aon de ’n luchd-frithealaidh e do sheòmar mòr anns an robh àireamh mhath dhaoin’ uaisle ’n an suidhe aig bùird an sid ’s an so air feadh an t-seòmair, agus iad a’ gabhail an dinneireach. Lean Seumas am fear a’ bha ’ga threòrachadh gu ceann shuas an t-seòmair. An àm a bhith ’dol troimh ’n t-seòmar cha do ghabh e beachd sam bith air fear seach fear de na bha ’n an suidhe mu ’n cuairt de na buird. Agus ged a sheall e uair is uair feadh an t-seòmair fhad ’s a bha e ’gabhail a dhinneireach cha d’ aithnich e aghaidh de na bha ’n taobh a staigh de ’n dorus. Ach ged a bha Seumas an dùil nach robh neach ’s an t-seòmar da ’m b’ aithne e, bha e air a mhealladh. Bha Tomas Taillear, Tearlach Ros, agus sgiobair na Dubh-ghleannaich, anns an t-seòmar, ged nach d’ thug esan an air e dhaibh. Gun mhionaid dàlach thug iad an casan as do sheòmar eile, far an do chuir iad an comhairle ri chéile ciod a dheanadh iad. Thuirt an sgiobair, gu ’n gabhadh esan os làimh, mu ’n rachadh an oidhche seachad, an t-òganach a chur ann an geamhail. Dh’ iarr e air an dithis eile iad a chumail as an t-sealladh, air chor ’s gu faodadh iad a ràdh ann am fianuis an t-saoghail, nach fhaca ’s nach cuala iad ni sam bith mu dheidhinn. B’ ann mar so a bha. Thug Tomas agus Tearlach an casan as. Agus chaidh an sgiobair do’n t-seòmar far an robh Seumas, agus shuidh e mu ’choinneamh aig a’ bhòrd, agus thòisich ri tarruinn seanchuis as. Bha Seumas glé fhosgarra ’na dhòigh, agus thòisich ri cumail seanchuis an sgiobair. Thàinig iad mu dheireadh gu bhith labhairt mu shoithichean ’s mu sheòladh ’s mu nithean eile a bhuineadh a dh’ obair na mara. Thuirt Seumas an sin, gu robh toil aige cuairt a thoirt a mach ann am bàta beag a dh’ fhaicinn nan soithichean mòra, briagha a bha aig acaire ann am bun na h-aimhne. Chòrd so ris an sgiobair ro mhath. Cha robh cabhag sam bith air fear seach fear dhiubh gu falbh o ’n bhòrd, oir bha iad air thuar a bhith ’nan dlùth cháirdean, eadar a h-uile comhradh a bh eatorra. Bha na naigheachdan garbha ’bha ’n sgiobair ag innseadh a’ còrdadh ri Seumas anabarrach math, agus bha ’n sgiobair ro thoilichte a chionn gu robh Seumas cho toileach a bhith ’g éisdeachd ris gach naigheachd a bha e ’g innseadh dha. Mu dheireadh dh’ éirich iad o’n bhòrd agus chaidh iad a mach. Thuirt an sgiobair ri Seumas gu ’m bu chòir dhaibh o’n a bha am feasgar cho briagha cuairt a thoir a mach do ’n acarsaid a dh’ fhaicinn nan soithichean. Fhuaradh bàta beag, agus chaidh an dithis aca air bòrd innte. Bha ’n sgiobair ’na dhuine mòr, trom, agus cha mhór nach robh luchd a’ bhàta ann leis fhein. Bha beagan eagail air Seumas an uair a chunnaic e cho faisge ’s a bha beul a’ bhàta air an uisge. An thuirt an sgiobair ris nach ruigeadh e leas eegal sam bith a bhith air, o’n a bha ’n t-sìde cho ciuin ’s nach robh [TD 323] [Vol. 3. No. 41. p. 3] tonn a’ gluasad o chloich anns an acarsaid. Ged a thuirt an sgiobair so ri Seumas bha iad ann an cunnart gu leòr, nan éireadh an gluasad bu lugha air an fhairge. Bha ’n sgiobair a’ miannachadh ’na chridhe gu ’n éireadh sgiorrag dhaibh; oir bha e fhein na dheadh shnàmhaiche, agus bheireadh e tìr a mach gun teagamh. Ann am beagan mhionaidean thachair a’ cheart ni a bha e ’miannachadh. Bha aon de na bàtaichean-smùide a’ dol seachad, agus chuir i beagan gluasaid air an fhairge. Thòisich am bàta ri turraman, agus o nach robh Seumas cho faicleach ’s bu chòir dha thug e gluasaid as a dh’ ionnsuidh an dara taoibh. Sid am bàta air a beul foidhpe mu ’n do tharr iad sealltuinn uca no uapa. Bha fear a’ bhàta agus an sgiobair gu math ealanta air an t-snàmh, agus bha iad air neo-ar-thàing a’ ghnothaich. Gun dàil sam bith fhuair iad cuideachadh, agus thugadh an triuir fhuair aca air bòrd na Dubh-ghleannaich. Ged a bha Seumas beo, cha robh e ach lag gu leòr; oir thachair dha gu mi-fhortanach a bhith fo bheul a bhàta gus an robh e an impis a bhith bàithte, Bha toil aige a dhol air tìr, lag ’s mar a bha e, ach cha leigeadh an sgiobair leis. Thug e air a chreidsinn nach biodh e sàbhailte dha caruchadh as an àite an robh e gus am biodh e gu math ni b’ fhearr. Fhuair an sgiobair gach ni gu ’mhiann, Cha robh dhith air ach greim ’fhaotainn air Seumas gun dragh gun tuasaid sam bith a chur air fhein no air daoine eile. Air an fheasgar ud fhein chaidh am fear aig an robh am bàta gu tir ’s e gun dad cearr air, ach gu robh e fliuch. Chuir Seumas an oidhche seachad glé neo-fhoiseil. Cha robh a chàradh air bòrd na Dubh-ghleannaich ach glé mheadhonach an coimeas ris mar a chleachd e. Mar an ceudna bha e anabarrach diumbach dhe fhein air son e bhith cho amaideach gu ’n deachaidh e do ’n bhàta bheag idir. Chuir a h-uile ni a bh’ ann o chadal na h-oidhche e, agus cha b’ fheairrde e sin dad. Ciod sam bith deoch a thug iad dha gu cadal a chur air, chaidil e gus an robh e àird-fheasgair an là-iar-na-mhàireach. An uair a fhuair iad Seumas bochd gu trom ’na chadal thog iad na siùil ris an Dubh-ghleannaich, agus thug iad an cuan orra. Bha soirbheas cho math ’s a dh’ iarradh iad, agus mu ’n àm ’s an do dhùisg Seumas bha iad air sealladh a chall air fearann Bhreatuinn. Lag ’s mar a bha Seumas, chuir e roimhe gu ’n éireadh e ged a bha ’n sgiobair fada an aghaidh dha sin a dheanamh. An uair a chaidh e suas gu bord ’s a chunnaic e an cuan mor farsuinn mor-thimchioll air stad an dà shùil shuas aige. Ghrad chaidh e far an robh an sgiobair, agus dh’ fheoraich e dheth, ciod a b’ aobhar nach do chuir e air tìr e mu ’n d’ fhalbh e leis an luing as an acarsaid? Thuirt an sgiobair ris, gu ’n do shaoil leis a’ mhate gur ann a bha e gus a thurus a ghabhail maille riutha gu ruige America, agus gu ’n d’ fhalbh iad as an acarsaid an uair a bha e fhein ’na chadal gun fhios gun fhaireachadh dha. Thairg Seumas suim mhath airgid a phàigheadh dha nan tilleadh e leis agus fhàgail gu sàbhailte air tìr ann am Breatunn. Sid rud nach deanadh an sgiobair air chumhnanta sam bith. An uair a chunnaic e gu robh Seumas fo mhor dhragh inntinn, mar a bha nàdurra dha bhith, thuirt e ris, gu ’m b’ fhearr dha feuchainn ri e fhein a dheanamh riaraichte leis an t-suidheachadh anns an robh e. Agus nam faiceadh e long sam bith a bhiodh air turus gu ruige Breatunn, gu ’n cuireadh e bord innte e. (Ri leantuinn.) A thaobh ar teachd-an-tir tha moran deth ’ga mhilleadh le ana-caitheadh. Fàgar cuid dheth ’nar soithichibh,—théid cuid dheth ’san teine,—agus tilgear cuid dheth a mach. Tha e cinnteach gu ’m bheil comas againn air so a dheanamh, oir is leinn fein e. Cheannaich no choisinn sinn e. Phaigh sinn am fuineadair, agus am feoladair, ach cha do phaigh sinn Easan a rinn an teachd-an-tir, agus cha ’n urrainn sinn ath-dhioladh a dheanamh Dha-san le h-airgiod no le h-or. Uaith-san tha sinn a’ faotuinn ni’s leoir air son ar feumalachd fein, ach cha’n ’eil sinn a’ faotuinn coir Uaith-san gu ana-caitheadh a dheanamh air a’ chuid a’s lugha de thoirbheartas a fhreasdail fein d’ar taobh. Tha cleachdadh na dichill ’na buannachd mhoir air a sgàth fein. Is e so fior shaorsa an duine sin a ta iriosal. Tha e ’cur dealachaidh ro chomharraichte eadar e agus an neach sin eile a tha ciontach agus truagh. Is e so fior shuaicheantas an urraim a ta aige ’san t-saoghal, agus is e so a bheir air gu’n abair e, “Tha mi a’ cumail m’ àite fhin a ’m measg mo cho chreutairean, a chionn gu’n do choisinn mi e.” Tha e ’ga fhaicinn fein saor agus neo-eiseimeileach, agus anns gach comunn feudaidh e a cheann fein a thogail suas. Cha’n e saibhreas mòr, no full uasal a ni duinc sona. Tha’n da chuid aig mòran de na daoinibh a’s truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighdinneach le deuchannaibh, agus aig am bheil taingeileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Tha ’n tì sin a’ tarruing sonais ’a cùisibh eugsamhla na beatha, agus eirichidh gu math dha a bhos agus thall. Smuainich air so, agus bi glic. Tha moran air am mealladh a thaobh saoibhreis. Tha dùil aig na daoinibh saoghalta, amaideach, farmadach nach ’eil sonas r’a fhaotuinn air uachdar an talmhainn, ach ann an airgiod agus òr. Ach tha mealltaireachd na barail so aithnichte dhoibhsan uile aig am beil cinn gu smuineachadh, agus cridheachan gu mothuchadh. Tha beatha an duine air a roinn ’na tri earrannaibh, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu chòir duinn a bhi air ar teagasg leis an àm a chaidh seachad, buannachd fhaotuinn o’n àm a ta làthair, agus gu bhi ’gar giùlan fein ni’s feàrr air son an amarieachd. Is searbh an obair a bhi diomhain. Cha’n ’eil ni sam bith ann a dh’ fhàgas duine an staid ni’s truaighe na bhi diomhain. Cha ’n ’eil aobhar truais ann a ta ni ’s mò na daoine aig am bheil ùine ’nan laimh fein, agus gun a bhi faicinn car aca r’a dheanamh. Far nach ’eil an cridhe saibhir, cha’n ’eil ann an saibhreas ach deircean bochd, salach, truagh. [TD 324] [Vol. 3. No. 41. p. 4] MAC-TALLA A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, APRIL 13, 1895. Se Domhull a B’fhearr. Chaidh dithis Ghàidheal, uair ’gan cosnadh fhéin gu Galldachd, agus a cheud latha Sàbaid an deigh dhaibh a bhi stéidhichte, thog iad orra gus a dhol dh’an t-searmon, mar a b’abhaist dhaibh a dheanamh ’san dùthaich aca fhéìn. Chaidh iad a stigh do’n cheud eaglais a chunnaic iad agus air dhaibh a bhi car nàrach dhiubh fhéìn shuidh iad ann am fear de na suidheachanan cùil a dh’ fheitheamh ris an t-seirbheis. Bha òrgan anns an eaglais a bha anabarrach briagha agus cosgail, agus air feadh ’sa bha ’n sluagh a’ cruinneachadh, bhatar ’ga chluich, agus air leis an dithis so nach cual’ iad ceòl cho binn riamh o ’na rugadh iad. An teis meadhoin a chiùil, thainig duine modhail, siobhalta, nuas far an robh iad agus dh’iarr e orra teannadh suas na b’fhaisge, ach sid rud nach robh iad deonach a dheanamh, agus an deigh beagan tathuinn, dh’fhàg e iad car tacain. Ach an uair a bha ’n ceòl gu bhi thairis agus an t-seirbheis gu tòiseachadh, thàinig e far an robh iad a rithist. Cha robh toil aige gu’m biodh duine sam bith, co-dhiu coigreach, na shuidhe cho fad air chùl, agus rùm gu leòr air am beulaobh. Chuir e ’làmh air gualla Dhùghaill ’s ars esan ris, “Nach tig sibh a nuas.” “Och,” arsa Dùghall,, “iarraibh air Dòmhull. ’Se moran a’s fhearr air dannsa na mise. Cha’n eìl feum sam bith annamsa.” Bidh gràdh aig an fhior charaid dhuinn aig gach àm agus anns gach àite. Ma bhios sinn ag iarraidh caraid anns nach ’eil coire bidh sinn gun charaid gu bràth. Am fear a bhios ’na charaid do gach neach cha bhi e ’na charaid do neach sam bith. Cha ’n e am fear a ghabhas truas dhinn ar caraid idir ach am fear a bheir dhuinn cuideachadh. Mur leig thu d’ inntinn ri do charaid lotaidh tu e agus mur cuir thu earbsa ann caillidh tu e. A duine anns am bheil spiorad càirdeil ni e càirdean dha fhein ge b’ e air bith àite anns an tachair dha ’bhith. Cha bu choir do dhuine deagh obair a thréigsinn, ged nach soirbhich cùisean leis co h-ealamh ’s a bha dùil aige. Cuireadh e a dhochas ann a subhailc, firinn, agus maitheas an Fhreasdail agus thig rath an cois a dhichill. Tha mi creidsinn gu leighis MINARD’S LINIMENT Amhach Ghoirt. Riondald, MRS. REUBEN BAKER Tha mi creidsinn gu’n toir MINARD’S LINIMENT air falt fàs. MRS. CHAS. ANDERSON. Stanley, P.E. I. Tha mi creidsinn gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn. METHIAS FOLEY, Oll City, Ont. Na dean gaire ri leanabh ged a chuireadh e ceist, ’n ad bheachd-sa, amaideach. Cha’n ’eil sin amaideach do’n leanabh, agus ma nithear gàire ris, bithidh e an cunnart a mhisneach a thoirt air falbh. Ge be co iongantach, faoin, agus diomhain ’sa dh’ fheudas ceistean na cloinne a bhith, tha iad airidh air freagradh cairdeil agus deas fhaotuinn. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Faodaidh sinn càirdean ’fhaotainn le geallaidhean ach ma ’s math leinn an cumail againn feumaidh sinn ar geallaidhean a chomhghealladh. Tha da bhocs’ air fhichead de bhathar tioram a tigh’n ugainn à Alba, am bathar a’s fhearr air a phris a’s isle. MACDONALD HANRAHAN & CO Cuir Minard’s Liniment ri d’ fhalt. Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. Minard’s Liniment air son Loine. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr, G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 325] [Vol. 3. No. 41. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha tuathanaich Manitoba ag obair air cur a chruithneachd. Tha duil aca pailt uiread eil a chur am bliadhna ’sa rinn iad an uiridh, agus chaidh iad an uiridh fada thairis air an àbhaist. Tha tinneas gabhaltach air bristeadh a mach ann an cearna de Chuibeic, dhe nach urrainn na doctairean dad a dheanamh. Tha mòran air bàsachadh leis o chionn ùine glé ghoirid. Tha ’m flùr a’ fàs daor. Chaidh a’ phris suas eadar leth-dolar us tri tasdain air an t-seachdain s’a chaidh. Cha b’ urrainn gu leanadh e air a bhi cho saor ’sa bha e fad a gheamhraidh. Tha cùirt na siorrachd ’na suidhe air an t-seachdain so. Tha àireamh mhath de chàsan ri bhi air am feuchainn, agus tha choltas air gum bi i ’na suidhe a chuid a’s mò dhe ’n t-seachdain s’a tighinn fhathast. Tha ’n deigh mhor gu math tiugh mu chladaichean a tuath an eilein. Cha robh uiread deigh an Caolas Chanso o chionn fichead bliadhna ’sa bh’ ann air a’ gheamhradh so. Bha cnapan dhith cho mor ’s gu robh iad a’ grunnachadh ann an ceithir troidhean fichead de dh’ uisge. Chaidh sabhal de Donnacha Mac Rath, air Bràigh na h-Aibhne Meadhonaich, a losgadh gu làr aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus gach ni a bha ’na bhroinn a chall. Bha anns an t-sabhal aig an àm, coig chinn chruidh, ’s mu dhusan ceann caora, a bharrachd air feur us arbhar us innealan tuathanachais. Shàbhail na h-eich le bhi aig deoch aig an àm. Chaidh an teine fhadadh le duine dhe ’n chloinn a bha ’cleasachd le “maidsichean.” Thainig isleachadh mor air an t-sneachda a cheud chuid dhe’n t-seachdain so, ach thainig reothadh cruaidh oidhche Di-ciaduinn. Tha meall mor sneachda air an talamh fhathast agus tha na ròidean anabarrach dona. Ma’s fior na bhithear ag radh, bi’dh bàrr math anns an dùthaich air an fhoghar s’a tighinn, oir tha iad ag radh gu’m bi sin ann na h-uile bliadhna bhios sneachda mor ann. Agus cha’n fhacas uiread sneachda, air lár ’san dùthaich so, cha’n eil fhios cuin, ’sa bh’ ann am bliadhna. Tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn an deigh coig mile deug punnd Sasunnach a chur gu Newfoundland air son cuideachadh leis na daoine bochda. Tha iad mar an ceudna a’ cur teachdaire nall a rannsachadh a mach cùisean an eilean. Tha teachdairean o Newfoundland aig na am so ann an Ottawa a feuchainn ri còrdadh a dheanamh ri luchd-riaghlaidh na dùthcha a thaobh aonaidh. Tha iad ag radh co-dhiu gu bheil muinntir Newfoundland glé fhada ’n aghaidh a bhi air an ceangal ri Canada, ged is cinnteach an ni gu’m b’ iadsan a gheibheadh a chuid a b’ fhearr dheth. Cha bhi fada tuilleadh gus an cluinnear na cumhachan a tha iad a deanamh, ma’s e ’s gu’n tig iad gu còrdadh. Chaochail fear Uilleam Ball, ann am Baile-Sheòrais, E. P. I., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ceud bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Tha coithional Ghabarus an deigh eaglais ùr a chur suas a tha ’na fior chreideas dhaibh, agus rinneadh an obair, cha mhor uile, le muinntir a choithionail. Fhuair iad roinn mhath de chuideachadh o dhaoin-uaisle a bha toileach an obair mhath a chur air adhart. Chaochail seana bhean, aois thri fichead bliadhna ’sa deich, do’m b’ ainm Màiri Sutherlan, ann am Montreal, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ’san ainm gu robh i glé bhochd, ach ’nuair a chaidh a tigh a rannsachadh an deigh a bàis, fhuaireadh mu mhile dolair am falach an sid ’san so air fheadh. Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha a “cheist” aca anns a’ Ghàilig Di-haoine mar a b’ àbhaist, agus labhair a chuid bu mhò de na h-eildearan, agus feadhain eile, oirre. Bha coinneamh anns an eaglais na h-uile feasgar fad na seachdain. So sgeul a thainig as an Iar-thuath. Bha càs-lagha aig ceannaiche anns a’ chuirt o chionn ghoirid, agus chaill e. Air son sin thug e ’n aghaidh air an fhear-lagha ’bh’aige agus thug e deagh lidrigeadh dha air son a chiontapachd. Air la-’r-na mhàireach, chaidh an càs fheuchainn a rithist, agus gleidh e, ach cha chuala sinn fhathast, de rinn e ris an fhear-lagha, no’n d’rinn e dad idir ris. Chaidh duin’ òg a mhuinntir Phort Morien, Domhnull Eoghan MacFhearghais (mac Chalum) a ghoirteachadh gu dona anns a’ mhèinn Di-ciaduinn. Thuit leac mhor de chreig air, agus chaidh a chur as a chruachan, a bharrachd air a bhi air a ghoirteachadh air doigh eile. Mur biodh gu robh ’n tuba ri thaobh ’s gu’n do chum i ’n cudthrom dheth, bha e air a mharbhadh. Bha fear eile comhla ris, ach fhuair e as gnn dochainn sam bith. Bha coinneamh mhòr air luchd na Stuaime ann an tigh-na-curtach am Baddeck air a mhios s’a chaidh, agus dh’ aontaich iad uile (1) nach toireadh iad cuideachadh sam bith do dhuine sam bith a bhios ag iarraidh taghaidh air son pàrlamaid Chanada nach toireadh gealladh sgriobhte dhaibh gu’n deanadh e ’uile dhichioll air son bacadh a chur air creican stuth làidir ann an Canada air fad; agus (2) gu ’n toireadh iad làn chuideachadh dha-san a bheireadh an gealladh sin dhaibh; agus (3) mur toir duine air taobh seach taobh gealladh mar sin dhaibh, gu’n cuir iad duine dhiubh fhéin a ruith ’nan aghaidh. Bha ’n tigh luma làn sluaigh, agus bha iad uile mar aon duine mu’n chùis. Bha coinneamh mhath aca, òraidean, leughadh, agus seinn. Tha càirdean na stuaime ann an siorrachd Victoria, a reir coltais a’ cur rompa na’s urrainn iad a dheanamh gus an dùthaich a shaoradh o’n droch mhalairt, agus ’s math a ghoibh iad sin. Chaidh cunntas mion air a choinneamh so agus air coinneamh eile bh’ aig an I. O. G. T. air Amhuinn Bhaddeck a chur d’ ar n-ionnsuidh ach bha iad car fada air son an cur ’sa phaipear. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 326] [Vol. 3. No. 41. p. 6] A’ GHALIG, CARSON A THA SINN ’GA H-IONNSACHADH AGUS ’GA CUMAIL SUAS. Oraid an Lighich Mac Gill ’Iosa aig Coinneamh a’ Chlass Ghaidhlig an Lunnainn air a Cheathramh latha da Mhios Dheireannach an Fhoghair, 1894. A’ Mhnathan uaisle agus a’ Dhaoine-uaisle, smuainich mi nach biodh e mi-fhreagarrach aig ciad choinnimh a’ chlass seo, na’m feoraichinn carson a tha sinn a buannachadh anns an obair seo o bhliadhna gu bliadhna, obair co-cheangailte ris am beil uiread de dhragh, de dh’ anacothrom agus de chosgas, agus an cois am beil a reir coltais, cho beag buannachd a leantuinn; Carson a tha sinn ag ionnsachadh agus a cumail suas na Gaidhlig? Cha ruiginn a leas a cheisd seo a chur no a fhreagairt air an sgath-san a chleachd a bhi tighinn a dh’ ionnsuidh a ’chlass seo gach bliadhna bho chaidh a chur air chois; tha am freagairt aca-san annta fein. Ach tha sinn an seo an duthaich choimheach a labhairt cainnt choimhich, am measg sluaigh de ’m beil a’ mhor roinn aon chuid cearta coma mu dheibhinn ar cainnt, neo de bheachd nach ’eil innte ach cuis-sgreat a thaobh am bu choir na h-uile dhichioll a bhi air a chleachdadh gu ’cuir as an rathad. Tha fios againn cuideachd gu ’m beil moran de ar luchd-duthcha fein a tha cur teagamh ann an gliocas agus ann an tuigse leithid ’sa tha gu daimheil ag altrum na seana chainnt seo. Tha eadhon Gaidheil—co dhiubh, daoine tha dol fo ainm Ghaidheal—nach ’eil a cleith am fuath do ar cainnt mhathaireil. Tha sinn mar seo air ar gairm gu aobhar a thoirt airson an dochais a th’ againn agus math a dh’ fhaoidte gu mholadh do mhuinntir eile. Cha ruig mi leas a radh gur e aineolas de sheorsa sam bith ni as am bu choir do neach a bhi mall gu uaill a dheanamh, ni mò a ruigeas mi leas ainmeachadh nach ’eil e na ni glic do dhuine sam bith a bhi deanamh tair air a leithid a leabhar-cuimhne de eachdraidh a’ chinne-daoine ’s a th’ againn anns a Ghaidhlig. Feumaidh duine bhi gle mhor mu ’n tig e gu math dha tàir a dheanamh air cainnt sam bith; ’s e duine ro bheag agus ro ghorach a dh’ fheuchas ris; tha mi ag radh seo gun a bhi tighinn oirnn fein agus air ar cainnt, tha e fìor mu dheibhinn na h-uile cainnt, ach a bhi cur am mi-shuim agus a deanamh dearmad air cainnt neach fhein tha seo a nochdadh cion graidh-duthcha agus gliocais; ach a bhi deanamh di-meis agus tair oirre ’s ann a tha seo ro nàr agus ro thruagh. ’S iad seo priomh-bheachdan nach fhaod neach sam bith aicheadh, agus tha iad ’nan aobhar na ’s leoir airson a bhi ’g altrum agus a toirt na h-uile urram do ar cànain màtharail. Is Gaidheil sinn, agus mar Ghaidheil tha na beachdan a’s airde a th’ againn mu nadur na daonnachd air an ceangal suas ’n ar cainnt dhùthchasach, a ’chainnt a dh’ altrum beatha ar sluaigh troimh eachdraidh ghaisgeil agus fhoghaintich. Tha ar luchd-dùthcha anns a’ Ghalldachd gle mhi-shuairce a thaobh na Gaidhlig, agus sluaigh na Gàidhealtachd. Tha iad moran ni ’s aontaiche anns an ni seo na na Sasunnaich fhein. Ach tha seo a tighinn gle dhona dhaibh ’nuair a chi sinn iad, cho luath ’s a thig iad gu deas an seo, ga’n comhdach fein le feile-beag ’us breacan chum a leigeil ris do ’n t-saoghal gur Albannaich iad. Tha daoine ris an deanadh na coin comhartaich na ’m faiceadh iad ann am feilidhean iad aig an taigh, a gabhail ri aodach an t-sluaigh a tha iad a saoilsinn a bhi cho fada fodhpa, chum iad fein a shaoradh o neo-nitheachd. Cha bu choir dhaibh ar cainnt a’ mhaoidheadh oirnn ged nach ’eil uiread de shùim aca fein dhi ’s a dh’ ionnsaicheas i, agus ma thuigeas iad gu ’m beil sinn a cheart cho foghlumaichte riu fein agus ar talantan nadurrach co dhuibh cho mor agus cho ard ri ’n cuid-san agus air an aobar sin gu’m beil coir againn air ar breithneachadh fhein a’ chleachdadh, faodaidh e bhi gu ’m faic iad aobhar air choreigin gu bhi beagan ni ’s suairce do ’r taobh. Cha ’n urrainn duinne agus cha ’n urrainn do neach tuigseach sam bith sealltuinn air duine sam bith mar Ghaidheal nach ’eil ’ga fhaicinn mar a dhleasnas a’ Ghaidhlig ionnsachadh, ’se sin ma bha e cho mi-fhortanach ’s nach robh i aige o oige. A dh’ aindheoin ’s na tha cuid a gabhail orra ’bhi aca de ghradh-dùthcha agus mar sgeadaicheas iad iad-fein le feilidhean, osain, agus seudain, mur b’ fhiach leo an cainnt dhùthchasach ionnsachadh cha ’n ’eil iad ’n an Gaidheil ach anns an t-seadh a’s eudomhainne agus a’s suaraiche. Agus ma thachrar ri cuid dhiubh seo a tha cho gearr-sheallach ’s gu ’n dean iad magadh air, agus gu ’n labhair iad gu gamhlasach mu dheibhinn, ar cainnt mhoir, cha ’n ’eil annta ach na fior mhealltairean,—daoine aig nach ’eil cliu sam bith iad fein agus aig nach ’eil uiread de náire ’s a chumadh iad o bhi salachadh na nid anns am bu mhiann leo fhein aite fhaotainn. Tha cus againn de’n obair seo anns a’ Ghàidhealtachd cho math ris a’ Ghalldachd, agus mar is luaithe theid cur as di, agus a theid an t-slaightearachd so a chur gu h-aite fein ’s ann is fhearr. Bithidh seo furasada gu leoir a’ dheanamh, ma bhitheas na Gaidheil dileas dhaibh fein agus do’n eachdraidh. Gu bhi toirt freagairt ni ’s poncaile do ’n cheisd a chur mi faodaidh mi, anns a’ chiad dol a mach, fhaighneachd, Carson nach biodh a’ Ghaidhlig air a teagasg agus air a h-ionnsachadh? Cho fad ’s is cuimhne leamsa cha chreid mi gu ’m beil cainnt sam bith eile ann mu thimchioll an cluinn sinn e cho dùrachdach air a chur an ceill, nach ’eil feum sam bith innte, gur ann a tha i eadhon ni ’s miosa na bhi mi-fheumail, oir is tric a chuala mi e air a radh gur ann a bha i na mallachd do shluagh na Gaidhealtachd. Innsear dhuinn gu ’m beil i cur bacadh orrasan aig am beil i, ’nan turus troimh an t-saoghal agus gu ’m beil i an dòigh iongantach air choreiginn nach b’urrainn dhomh fhein riamh a thuigsinn, ’gan cumail bho eolas ceart fhaotainn air a’ Bheurla agus air an fhoghlum agus an fhinealtachd a tha ’chainnt sin a tabhairt dhaibhsan aig am beil i. A bharrachd air seo innsear gu daonnan dhuinn nach ’eil a’ Ghaidhlig gu feum sam bith ann am malairt no an gnothuichean an t-saoghail. A ’Mhnathan uaisle agus a Dhaoin-uaisle, ged nach nach biodh argumaid sam bith eile agam air taobh ionnsachaidh agus foghluim na Gaidhlig na gu’n saoradh i sinn an tomhas air chor eigin, bho thrustaireachd, bho an-iochdmhorachd agus bho graisg-chomhradh an là ’s am beil sinn beo, theirinn le làn cheartas gu ’m bu choir dhuinn a taisgeadh suas eadhon mar fhuil ar cridhe. Ma tha i ’gar saoradh an tomhas air bith, agus tha mi creidsinn gu ’m beil, bho leir-sgrios na nàire agus bho chruas neo-thlùsail nam faireachduinnean a tha ri’m faotainn an aitibh airde a’ bhaile so, no bho ’n truailleachd mhi-thruacanta agus an t-eudochas a chi sinn ’s na h-aitibh a’s [TD 327] [Vol. 3. No. 41. p. 7] isle, cha’n fhaod sinn air chor sam bith dealachadh rithe. Cheart cho cinnteach ’s a gheibh sinn duine òg an Lunnainn no an aon air bith eile de ar bailtean mora, a gabhail dian-thlachd ’na chainnt dhuthchasach, no ann a bhi cumail suas cleachdaidhean feartach a dhùthcha, tha e sàbhailt agus cho cinnteach ’sa tha ’ghrian ag eiridh, tha e air an rathad gu soirbheachadh. Is i seo firinn a chuir mi an ceill cheana ni’s trice na aon uair, agus a tha mi geur air ath-aithris agus cha ’n ’eil teagamh agam nach abair gach aon agaibh fhein gu ’m beil mi ceart. Air an laimh eile tha ’mhor chuid de ar struidhearan a tighinn a measg na muinntreach sin a tha cur cùil ri ’n dùthaich agus ri’n cinneadh, agus a roghnachadh aitean taitneach mi-stuama an t-saoghail. Fad nam bliadhnachan a tha mi a gabhail comhnuidh an Lunnainn cha chuimhne leam gu’n robh aon am measg a’ mhorain a thainig thugam ag iarraidh deirc, air an robh eolas sam bith agam, agus tha mi creidsinn gur aithne dhomh na h uile neach a bhuineas do chomunnan Gaidhealach a’ bhaile seo. Faodaidh mi radh nach fhaigh sibh aon duine ann an linn aig an robh spéis d’a dhùthaich agus do a h-eachdraidh a dol air chall an slochdaibh na mi-stuamachd agus na dubhailc. Theid mi ni’s fhaide agus their mi gur iad na daoine aig an robh eolas math air a’ Ghaidhlig agus a nochd an spéis di, a rinn an dleasnas anns an doigh a’s cliutaiche ge be suidheachadh anns an robh iad. Cha’n ’eil ann ach a bhòilich a’s amadaiche do neauh sam bith a bhi ag radh gu’m beil eolas air a’ chainnt dhùthchàsaich na ghrabadh no na bhacadh do ’n Ghaidheil. Cha ’n ’eil e fior gu ’n cuir a’ Ghaidhlig eis sam bith air neach ann an ionnsachadh na Beurla no ann a bhi cur làn mheas air a’ chuid ’s fhearr de litricheas na cainnt sin. Am measg mo luchd-eolais fhein ’s iad na Gaidheil sin a’s eolaiche air an cainnt fein aig am beil an greim a’s fhearr air a’ Bheurla, agus air a litricheas, air mo shon féin, ged nach d’ rinn mi di-meas no dearmad air mo chainnt dhùthchasaich, cha d’ fhuair eadhon iadsan nach robh de ’n aon bheachd rium an iomadh ni riamh coire dhomh airson na doigh anns an do chleachd mi a’ chainnt Shasunnach seo. (Ri leantuinn.) BLIADHNA MHATH UR! Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh Gle shaor air son airgid Brogan a’s fhiach $2.25 air $1.75 agus cach a reir sin. Soithichean Creadha agus Glaine. Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa. SIABUNN air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3.00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa. AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR. Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Feb. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnn a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 328] [Vol. 3. No. 41. p. 8] Oran Imrich. LE CALUIM BAN MAC MHANNEIN. An àm togail dhuinn fhin Mach o’ challa Phortrigh, ’Siomadh aon a bh’ air tir ’s iad brònach; Iad ag amharc gu dlùth, Null ’s an sùil air an Luing, ’S ise ’gabhail a null gu Rònaidh. Thuirt Mac Fàid as an Dig ’S e ag éigheach rium fhin, ’S ann a laigheas i sios gu Tròdaidh, ’S biodh am fear is fearr tùr Nis na shuidh air an stiùir, Gus an teid i os cionn an t-Sòain. Eilean eil ann da réir, Agus sgeir nan ruinn géir, ’S bithidh muir air a bhéist an còmhnuidh; Tha cnap eil ann no dhà, ’S am dhiubh sin clach nan ramh, ’S Bogha Ruadh, ’tha fo aird ’Ic Thòrlain; Leachd-na-Buinne so shuas, ’S Rugha ’n Aiseig ri cluais, Mol-a-Mhaide ’s e cruaidh le dóirneig. Thoir an aire gu dlùth Cumail àrd os an cionn Seachain sruth Rugha Hunais ’s mòr e. Dh’ éirich soirbheas o’n tuath Dhuinn os cionn Fladaidh-chuain, ’S ann a ghabhadh i ’n uair sin òran; I a’ siubhal gu luath. ’S i a’ gearradh ma cluais, ’Dol a ghabhail a chuain ’s i eòlach. Thug mi sùil as mo dhèigh, Null air Rugha-Chùirn-léith Is cha ’n fhaca mi féin ach ceò air. Sin ’nuair labhair Mac Phàil, ’S e ag amharc gu h-àrd, “’S mor mo bheachd gur e bàrr a’ stòir e. Moire! ’s minig a bha Mise treis air a sgàth Ann an Rig, ’s gum b’ e ’n t-aite bhò e, ’Nuair a thigeadh a Màrt, Bhiodh an crodh anns a Chàrn, ’S bhiodh na luibhean co-fhas ri neòinean. Bhiodh an luachair ghorm ùr, Nios a’ fàs anns a bhùrn Fo na brudhaichean cùbhra, bòidheach, Bhiodh na caoirich da réir Ann ri mire ’s ri leum, ’S iad a’ breith, anns a chéit, uaim òga. Thainig maighstir as ùr, Nise stigh air a’ ghrùnnd, Sin a nàigheachd tha tùrsach, brònach, Tha na daoin’ as a’ falbh, ’S ann tha maoin an deigh searg’, Cha n-eil mart aca dh’ fhalbhàs mòinteach; Chuireadh cuid dhiubh ’sa mhàl, ’S fhuair cuid eile dhiubh ’m bàs, ’S tearc na dh’fhuirich a làthair beò dhubh; Ciod a bhiunnig dhomh fhin, Bhi a fuireach ’s an tir, O’ nach coisinn mi ni air brògan. ’S ann a theid mi thar sàil, S’ ann a leanas mi càch, Fiach a faigheamaid àite comhnuidh. Gheibh sinn fearann as ùr, ’S e ri cheannach á grùnnd, ’S cha bhi sgillinn ri chùnntas oirnn dheth, ’S math dhuinn fasgadh nan craobh, Seach na brudhaichean fraoich, Bhiodh a muigh ann an aodann Ghrobain, Air na leacan lom, fuar, ’N uair a thigeadh am fuachd Sin an t-astar bu bhuaine mòinteach. Moire! ’s fhada dhuinn fhin Rinn sinn fuireach ’san tir, Ged a thogamaid ni gu leòr ann, ’S iomadh dosgainn is call Thigeadh orra ’n an àm, Chuireadh seachad feadh bheann ri ceò iad. Ged a readhmaid gu féill, ’S ged a reiceamaid treud, ’S ged a gheibheamaid féich gu leòr air, Thig am Bàillidh mu ’n cuairt, Leis na sumanaidh chruaidh ’S bheir e h-uile dath uainn dheth còmhladh B’e sin fitheach gun àdh Tha air tighinn an tràths’, ’S e na Bhàillidh an àite ’n Leòdaich, Umaidh ardanach, cruaidh, ’S e gun iochd ris an tuath, E gun taise, gun truas gun tròcair, ’S beag an t-ionghnadh e féin Bhi gun chairdeas fo ’n Ghrein, Oir cha ’n aithne dhomh féin co ’s eél dha, Ach an Caimbeulach ruadh O thaobh Assaint o thuath; ’S nam bu fada fear buan deth sheorsa! Ach ma theid thu gu bràth, A null thairis air sàil, Thoir mo shoraidh gu cairdean eòlach. Thoir dhoibh cuireadh gun dàil, Iad a theicheadh o ’n mhàl, ’S iad a thighinn cho tràth ’s bu chòir dhaibh Is nam faigheadh iad àm, ’S dòigh air tighinn a nall, N sin cha bhiodh iad an taing Mic Dhònuill; ’S ann a Gheibheadh iad àit’ Anns an cuireadh iad bàrr, ’S rò-mhaith chinneadh buntata ’s eòrn ann ’S e seo Eilean an àidh Anns am bheil sinn an tràths, ’S ro-mhaith chinneas dhuinn blath air pòr ann. Bidh an coirc ann a’ fàs, Agus cruithneachd, fo’ bhlàth, Agus tuirneap is cal is pònair, Agus siùcar nan craobh, Ann ri fhaighinn gu saor, ’S bidh e againn na chaoban mora; ’S ruma daite, dearg, ùr, Anns gach bothan is bùth, Cheart cho pailt ris a bhùrn ga òl ann. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd Tha so air a chumail do C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. Minard’s Liniment a’s fhearr. [TD 329] [Vol. 3. No. 42. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, APRIL 20, 1895. No. 42. A’ GHAIDHLIG; CARSON A THA SINN ’GA H-IONNSACHADH AGUS ’GA CUMAIL SUAS. Oraid an Lighich Mac Gill ’Iosa aig Coinneamh a’ Chlass Ghaidhlig an Lunnainn air a Cheathramh latha de Mhios Dheireannach an Fhoghair, 1894. (Air leanntuinn.) Ach tha mi creidsinn gu ’m beil a bharail seo a nis air call a greim orrasan aig am beil beagan de thuigse nadurrach, agus mar sin nach ruig sinn a leas an corr smuain a thoirt di. Tha cuid ann a their nach ’eil a’ Ghaidhlig gu feum sam bith ann am malairt no an gnothuichean an t-saoghail. Faodaidh seo a bhi fior no mi-fihior, ach abramaid air sgath argumaid gu’m beil e fior, agus is cinnteach nach ’eil seo a dearbhadh gu’m beil ar cainnt gu buileach gun fheum. Ciod a th’ ann am malairt ach meadhon air ar n-aran laitheil a ’chosnadh. Ach an e sin aobhar agus crioch ar beatha, an e sin crioch araidh an duine? Gu cinnteach, cha’n e. A bhi ri dian-shaothair gu tighinn beo chum ’s gu m bi sinn beo gu saoithreachadh, is i seo beatha nach fhearr na bàs. Cha ’n ’eil ann ach truailleadh mi-nadurra air beatha an duine ’bhi ’ga h-isleachadh gu inbhe nan luibhean. Tha, ann an taobh a stigh dhinn agus mu’n cuairt oirnn moran nithe a dh’ fhaodadh toil-inntinn gun tomhas a thoirt dhuinn agus tha ’bhi ’gan cur gu buil a socrachadh an tomhas mor na tha ’n dan do ’n chinne daoine anns an àm ri teachd. Is ann gus an oighreachd seo a tha sinn air ar breith; cha ’n ’eil ann ar beatha ach am meadhon troimh an ruig sinn oirre. Cha’n ann le arain a mhain a bheathaichear duine, no le malairt. An teis meadhon a phailteis dhiubh le cheile faodaidh e seargadh agus bàsachadh leis a’ ghoirt. Cha ’n fheum ar beatha nadurrach ach gle bheag gu ’cumail am an staid fhallainn, agus na’n robh staid a chinne-daoine mar bu choir dhi dheanadh oidhirp gle bheag an gnothach gu ar cumail suas. Bu choir do’n chorr de ar neart a dhol gu bhi toirt fàs, agus meudachadh air na comasan maitheis, àilleachd, agus toil-inntinn a tha ’n taobh a stigh dhinn agus mu’n cuairt oirnn. Tha e, mata, na ni faoin a radh gu’m bheil a’ Ghaidhlig, no cainnt sam bith gun fheum ann am malairt ma’s urrainn e bhi air a dhearbhadh gu’m beil i luachmhor ann a bhi meudachadh agus a toirt farsuinneachd do bhuadhan inntinn an duine, ni a tha gu mor ni ’s airde agus ni ’s urramaiche. Nis air dhuinn cur as do na reusonar a tha muinntir eile toirt air aghaidh chum a dhearbhadh oirnn nach bu choir dhuinn a’ chainnt leo ionsachadh no a chumail suas, feumaidh sinn foighneachd ciod iad ar reusonan fein airson a bhi deanamh seo. Tha cuid againn an seo a “rugadh saor.” B’i a’ Ghaidhlig cainnt laithean sona ar n-òige anns an tir glormhor sin a dh’ ionnsuidh am beil ar smaointean a ghnath ’g ar giulan air ais, ach tha aireamh mhor dhibh aig nach robh an t-sochair seo, agus tha mi gle thaingeil gur urrainn domh a radh gu ’n d’ fhuair mi iad seo gu tric nis déine agus ni ’s dilse air taobh na Gaidhlig na iadsan a fhuair an arach am measg nam beann. Gu cinnteach is ni iongantach agus teagasgach e ’bhi faicinn an dara agus an treas ginealach de Ghaidheil a rugadh an Sasuinn a tionndadh air an ais cho dian a dh’ ionnsuidh an ciad inbhe, mar a chunnaic mise iad an seo o chionn beagan bhliadnachan; agus is cinnteach gu ’m bu choir da seo leasan a theagasg do’n luchd-riaghlaidh sin a dh’ iarradh a bhi deanamh Sasunnaich dhinn uile le bhi mùchadh agus a cur as do ar cainnt dhuthchasaich. Faodaidh iad mòran a dheanamh agus tha iad air moran a’ dheanamh cheana, chum a bhi cur as do ar cainnt ach feumaidh moran tuilleadh a’ dheanamh mu ’n dean iad Sasunnaich dhinn. Feumaidh iad cairdealas dùthchasach a spionadh as na freumhan troimh iomadh ginealach, feumaidh iad uile bheul aithrisean glormhor na Gàidhealtachd a dhubhadh a mach mu’n cuir iad as do’n Ghaidheil—agus eadhon an deigh sin eiridh e rithist. Cha’n ’eil anns an obair seo uile ach amaideachd. C’arson mata a tha sinn cho eudmhor agus cho dìchiollach mu thimchioll ar cainnt dhùthchasaich? Tha e soilleir gu leoir nach ann air sgath buannachd no soirbheachadh saoghalta. Cha’n ’eil mi cinnteach gur ann eadhon air sgath graidh-dùthcha anns an t-seadh anns am bheil am facal sin air a ghabhail gu coitchionn. Faodaidh e bhi gur ann an tomhas air choreiginn, air sgath ar smuaintean duthchasach ach tha mi deanamh dheth gur e ’s aobhar do ’n leithid seo de smuaintean a bhi againn gu ’m bheil fuil nan seann Ghaidheal a’ ruith troimh ar cuislean. Cha ’n urrainn do neach sam bith ach Gaidheal fior thlachd a’ ghabhail ann an nithe Gaidhealach, agus tha mi dearbhta gur e am faireachdain a th’ agaibh air ni-eigin a bhi a dh’ uireasbhuidh oirbh, is aobhar do bhur dìchioll agus bhur fein aicheadh, anns a’ chùis seo. Tha sibh Gaidhealach a thaobh sinnsir, agus faireachdain, agus tha fiosrachadh agaibh nach urrainn duibh fàs gu bhur n-indhe nadurrach, dhuthchasach, an taobh a mach de ’n cho-chomunn dhaimheil sin a gheibh sibh a mhàin ’n ur cainnt fein. Is Gaidheil sibh, agus tha ’n deidh a th’ agaibh air a bhi dileas do ur n-aigne nadurrach a toirt oirbh a bhi saoithreachadh agus a deanamh fein-àicheidh chum ’s gu’m bi sibh comasach air luach nan nithe sin a’s airde agus a’s fhearr ’n ur beatha ’thuigsinn. Mur ’eil mi gu (Air a leantuinn o taobh 6 & 7) [TD 330] [Vol. 3. No. 42. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB XII. Gun dàil sam bith sgriobh Tearlach Ros gu Fear Cheann-Locha, a dh’innseadh dha gu robh Seumas air chall, agus gu robh amhrus làidir aige gur e falbh as an rìoghachd a rinn e air bòrd aoin de na longan a sheòl anns an àm gu ruige na rìoghachdan thall. Dh’innis e anns an litir, gu facas Seumais ann an cuideachd sgiobair na luinge air feasgar an latha roimhe sin, agus gu robh amhrus aig na daoine a chunnaic e, gu faca iad a’ falbh o thìr e fhein agus an sgiobair ann am bàta beag. An uair a ràinig a litir Taigh na Coille, chaidh muinntir an Taighe gu léir gu bròn ’s gu tùirse. Bha an luchd-muinntir a’ cheart cho tùirseach air son Sheumais ’s a bha ’athair ’s a mhàthair, agus a’ chuid eile de’n teaghlach. Mu’n do ruith ceithir uairean fichead sgaoil an naigheachd air feadh na h-oighreachd gu léir, agus thàinig àireamh mhath de’n tuath a b’fhaisge air làimh a dh’fheòrach mu’n chùis, agus a thoirt misnich do’n teaghlach. Cha chreideadh duine beò de na bh’air an oighreachd gur e falbh d’ a uil’-deoin a rinn Seumas, ma dh’fhalbh e idir. Bha fios aca nach robh tlachd mor sam bith aige do sheòladh. Bha e uair is uair miltean a mach ’s a’ chuan ann am bàta, ach cha robh ann ach am fior dhroch sheòladair. Nam biodh gluasad a b’fhiach air an fhairge bhiodh e an impis a bhith marbh leis an tinneas-mhara. Theireadh aon is aon gu beag eatorra fhein, gu robh iad ann an trom amhrus gur e Tearlach Ros fhein a chuir as do Sheumas; ach o’n a b’ e Tearlach Ros mac bhrathair athar an uachdaran, bha eagal orra a’ chùis a thoirt a dh’ionnsuidh a chluas. Gun dàil sam bith dh’fhalbh Fear-Cheann-Locha agus a bhean gu ruige Sasunn. Ghabh iad direach do ’n bhaile as an do sgrìobh Tearlach Ros do ’n ionnsuidh mu dheidhinn Sheumais. Gus a dhroch-bheairt fhein fhalach, chuir Tearlach fios a mach, gu faigheadh neach sam bith deadh dhuais air son fiosrachadh a thoirt dha mu thimchioll Sueumais. Thug so air Fear-Cheann-Locha ’s air a mhnaoi a chreidsinn aig an àm nach robh làmh aig Tearlach ann a bhith ’cur Sheumais as an t-sealladh. An ceann latha no dhà thàinig am fear do’m buineadh am bàta beag air aghart, a thoirt do Thearlach gach fiosrachadh a bha dhìth air. Dh’innis an duine so mar a dh’iarr duine mòr, a bha a réir choltais, ’na sgiobair air luing, air a dhol cuairt a mach a dh’fhaicinn nan long a bha anns an acarsaid; mar a chaidh am bàta thairis orra; mar a thugadh air bòrd na luinge iad ’nan triùir. Ach cha robh fhios aige air ainm na luinge, agus cha mhò a bha fhios c’uin a dh’fhalbh i as an acarsaid, no c’àite an deachaidh i. An déigh a h-uile rannsachadh is ceasnachadh a ghabhadh deanamh mu’n chùis a dheanamh, cha robh de dh’ fhiosrachadh aig Fear Cheann-Locha mu dheidhinn ciod a dh’ éirich do Sheumas, ach gu’n d’ fhalbh e d’a dheoin no d’ a aindeoin air luing. B’ e an t-aon aobhar toileachaidh a bh’ aige fhein agus aig a mhnaoi, gu robh iad a’ smaoineachadh gu robh e beò an àite éiginn. An ceann beagan làithean thill iad dhachaidh ’s iad gu deurach, tùrsach, trom. Bu bheag an t-ioghnadh iad a bhith mar a bha iad. Tha call mic ’na chall mòr; ach tha call an aon mhic ’na chall anabarrach. Feumar a ràdh gu robh iad glé fhoighidneach, ged a bha iad ann an deuchainn chruaidh. Bha earbsa làidir aca ann an riaghladh an Ti a tha uile-ghlic. Ma bha Seumas beò, bha lad a’ creidsinn nach leigeadh Dia beud d’a ionnsuidh. Bha sluagh na h-oighreachd anabarrach tùirseach, an uair a chuala iad nach d’fhuaradh sgeul air Seumas. Bha meas anabarrach mòr aca air. Cha robh pròis no meud-mhòr ann ni ’s mò na bha ’na ’athair. Ged bu luath leotha ’thigeadh an latha anns am faigheadh Fear Cheann-Locha bàs, bha fhios ach gu ’n tigeadh e uair éiginn, agus bha iad cinnteach gu’n cumadh Seumas suas urram an teaghlaich, agus gu’m bitheadh e ’na uachdaran math dhaibh. Ach a nis, o’n a bha ’chuis coltach nach fhaicteadh Seumas gu bràth tuilleadh, ghabh iad an t-eagal gu’m biodh Tearlach Ros na ’uachdaran orra. Bha fios is cinnt aca nach robh ann acg sgaomaire truagh gun suidheachadh gun stéidhe. Agus o’n a bha e air tighinn gu greis math aoise, bha eagal orra nach b’ ann ni bu ghlice a bhiodh e ’dol. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh, “An car a bhios ’s an t-seana-mhaide is deacair a thoirt as.” Rinn Tearlach Ros gach ni a ghabhadh deanamh a chum falach a chur air a dhroch innleachdan fhein. Bhiodh e ’leigeil air an uair a bhiodh e ann an làthair an uachdarain agus na mnà, gu robh bròn mòr air a chionn gu’n deachaidh Seumas air chall. An am a bhith ’rannsachadh a mach mu dhéidhinn Sheumais anns a’ bhaile, chur e e-fhein gu leithid do dhragh ’s gu robh an t-uachdaran agus a bhean làn-chinnteach ’nam barail, nach b’ urrainn gu robh làmh aige ann a bhith ’cur Sheumais as an t-sealladh. Thuig e glé mhath gu robh so mar so, agus air an aobhar sin, bha ioghnadh mòr air nach d’ thug iad cuireadh dha gus a dhol a dh’ fhuireach maille riutha do Thaigh na Coille. Bha e anns an am ’ga ruith glé ghann; oir bha Tomas Taillear air fàs sgìth a bhith ga chumail ann an airgiod pòcaid. Bhiodh e aig an àm toilichte gu leòr nan iarradh aon de na tuathanaich a bh’ air oighreachd Cheann-Locha air a dhol a chur seachad mios no dhà maille ris. Ach cha leigeadh e air ’s e beò gu robh éis ni sam bith air. A nis, bha ni eiginn ann an Tearlach gu nàdurra nach robh tlachdmhor ann an sealladh na muinntir anns a robh nádur grinn, uasal. Bha e mar chleachdadh aige o làithean ’òige a bhith ’cumail cuideachd ri daoine aig an robh beachdan agus cleachdaidhean suarach. Gun fhios gun fhaireachadh dha fhein dh’ ionnsaich e cainnt nan daoine so. An uair a bhiodh e ann an cuideachd nan fior uaislean aig an robh meas orra fhein, bhiodh e mar a b’fhearr a b’ urrain da a’ feuchainn ri ’nàdur suarach a chumail am falach. Ach a dh’ aindeoin na dheanadh e thigeadh a nàdur suarach am follais. Thug bean an uachdarain an aire glé mhath dha, agus ged bu mhath leatha cuireadh a thoirt dha gus a dhol a chur seachad greis de’n t-samhradh maille riutha ann an Taigh na Coille, cha bu toigh leatha aon chuid a chainnt no a ghluasad. O’n a bha e ann an dlùth dhaimh ris an teaghlach bha eagal oirre gu’n ionnsaicheadh a’ chlann cainnt uaithe nach biodh iomchuidh dhaibh. A bharrachd air so, is gann a b’ urrainn di cuireadh a thoirt do Thearlach gun chuireadh a thoirt do Thomas Taillear. Bha iad le chéile ’nochdadh caoimhneis do Sheumas an uair a bha [TD 331] [Vol. 3. No. 42. p. 3] e ’taghal orra. An uair a bha Seumas a’ sgrìobhadh gu ’mhàthair bha e ’g innseadh dhi, gu robh Tomas a cheart cho caoimhneil ris ’sa bha Tearlach. Ach cha robh fhios aice cò e Tomas, agus mar sin cha bu toil leatha aoidheachd a thoirt do dhuine a dh’ fhaodadh a bhith o dhaoine suarach, o nach robh dearbhadh aice gu ’m b’ aithne dha e fhein a ghluasad gu modhail, iomchuidh anns gach àite am bitheadh e. Dh’ fhaodadh cuid a bhith ’g ràdh gur e pròis agus meud-mhòr a thug oìrre nach do nochd i am barrachd caoimhneis dhaibh; ach cha ’n e. Cha robh aon chuid pròis mo meud-mhòr innte. Ach air a shon sin, bha toil aice a h-àite fhein a chumail. Mur cum daoine an àite fhein cha ghléidh iad meas dhaibh fein. Mar is fhearr a chumas sinn daoine ’nan àite fhein is ann is mò a bhios de mheas aca oirnn. Tha cuid ann a tha toileach a bhith nochdadh meud an irioslachd, le bhith ’gan tilgeadh fhein sìos an lathair na muinntir a tha mòran ni ’s ìsle na iad ann an staid. Tha iad mar is trice ’g a dheanamh so, a chum cliù is moladh a chosnadh, ’ach an àite cliù is moladh a chosnadh, is ann a tha iad a’ call am meas ann an sealladh uan uile anns am bheil tùr is tuigse. Tha ni eile air am feumar beachd a ghabhail, agus is e sin, gu bheil e glé chunnartach a bhith ’toirt aoidheachd do dhaoine air am bheil sinn tur aineolach. Tha e air iarraidh oirnn gun dearmad a dheanamh air aoidheachd a thoirt do choigrich, oir le so thug dream àraidh aoidheachd do ainglibh gu fhios dhaibh. Ach tha ainglean is ainglean ann. Tha ainglean soillse ann agus ainglean sgrios. Anns a latha anns a am bheil sinne beò tha cuid de na daoine cho aingidh ’s a th’air an talamh ag imeachd fo ainm agus ann an trusgan dhaoine uaisle. Ma bheir sinn cuireadh do dhaoine de ’n t-seòrsa so gu comhnuidh a ghabhail ’n ar taighean, faodaidh iad sinn fhein agus air teaghlaichean a thruailleadh; oir tha e sgrìobhte, gu ’n truaill droch comhluadar deadh bheusan. Bha e air àithneadh do Chloinn Israeil gun iad a dheanamh càirdean no dlùth-chompanaich do na Canaanaich, air eagal gu ’n ionnsaicheadh iad dhroch bheachdan agus droch chleachdaidhean uapa. Thug na nithean so air bean an uachdarain nach robh i deònach cuireadh a thoirt do neach sam bith gus am biodh fios aice co e. (Ri leantuinn.) Sonas nan Ainmhidh Agus nan Eun. Tha e ro thaitneach a bhi ’beachdachdadh air suilbhearachd agus air toilinntinn nan ainmhidh agus nan eun, an uair a bhios an aimsir freagarrach air an son. Co nach d’ thug fainear an gairdeachas a nithear leis na h-eoin bheag, agus na binn-cheilearan leis an seinn iad ri blathas an Earraich agus t-Samhraidh? Is minic, air an doigh so, tha iad ’n an aobhar farmad do mhac an duine, a tha, air amannaibh, trom, muladach le trioblaidibh, agus saruichte le h-amhgharaibh an t-saoghail aingidh so! Tha moran aig an duine ’n a chomas chum sonas nan creutair sin a mheudachadh, a thugadh dha air son feum araidh; feudaidh e bhi air son loin g’ a bheathachadh, agus air son an earraidh leis am bheil e air a sgeadachadh. Gu cinnteach, uime sin, ’s e dleas’nas an duine a bhi buntainn gu cairdeal riu. Tha cuid ann, gidheadh, a ta ’gabhail tlachd ann a bhi ’milleadh agus a’ marbhadh nam beathaichean neo-chiontach sin, nach ’eil a’ deanamh cron air neach no air ni sam bith mu’n cuairt doibh. Tha na h-ainmhidhean comasach air an taingeileachd fein a nochdadh dhoibh-san a bhios cairdeil riu, agus ni iad sin treibhdhireach agus gun fhoill sam bith. Is math a dh’aithnicheas iad an neach sin a bhios cairdeil agus caoimhneil riu. Fanaichidh a’ mhuc fein an neach a bhios gu riaghailteach ’g a beathachadh, agus air a doigh fein bheir i taing dha. Nochdaidh an crodh an toilinntinn fein an uair a chi iad a’ mhuinntir a bha ’frithealadh orra, agus cairdeil riu. Crathaidh iad an cluasan agus sinidh iad a mach an srona dubha, fliuch mar chomhar air an taingeileachd agus an deagh-ghean fein. Ni, mar an ceudna, an cu moran othail ris-san a ni dheth agus a bhios gu maith dha. Agus faicibh an seann each dubh ud a rainig corr is fichead bliadhn’ a dh-aois, agus tha e ceart co eolach air gach neach mu’n cuart da ri ’mhaighstir fein. Faicibh e a’ toirt foise d’ a cheann air a’ chachlaidh, an uair a tha e’ faicinn fear-an-taighe a dluthachadh ris, an duil gu’m faigh e ubhal no mir arain as a laimh. Mar so, tha e mar fhiachaibh air na h-uile bhi cairdeil ris na bruidibh bochda nach urrain an uireasbhuidh fein ’innseadh, agus gun a bhi uair sam bith ’g an geur-leanmhuinn agus ’g an gearradh as. Tha’n duine glic ag radh mar so, “Bithidh curam aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh, ach is an-iochdmor truacantais nan aingidh.”—(Gnath, xii. 10.) SGIATHANACH. Chuir tuathanach a ghile do’n mhargadh a’s thug e dha ceud punnd Sasunnach, leis an robh e ri ceud ceann a cheannach:—daimh aig coig puinnd Shasunnach an ceann; caoirich aig a h-aon; agus geòidh aig sgillinn Shasunnach an t-aon. Co meud a bhiodh aige de gach seòrsa? Air do dhà chailleach a bhi ’dol do ’n mhargadh le uibhean, thuirt an dara te ris an te eile: “Thoir thusa dhomhsa aon ubh, is bithidh a dhà uiread agam ’s a th’agads-a.” “Cha toir,” ars an te eile, “ach thoir thusa dhomh-sa dithis is bithith uiread is uiread againn.” Co meud a bh’ aca an t-aon? Bha duine bochd ann an Glinneilg a bha comharraichte air son teanga sginnealach agus thachair dha—gu tubaisteach—gu’n dh’fhas a bhial goirt, a’s bu mhiann leis a dhol do’n taigh-eiridin a dh’fheuch am faigheadh e leigheas. Chaidh e air tùs a dh-ionnsuidh a’ mhaighstir-sgoile air son teisteanais, agus fhuair e ’n teisteannas a leanas:—“Duine bochd aig am bheil droch bhial.” Bha seann Chailleach ann am Bàideanach, agus cha’n fhaiceadh i tiodhlacadh a’ dol seachad, nach sineadh i air gal ’s air bualadh nam bas. Latha dhe na laithean bha a chailleach aig ceann a taighe, a’s ciod e chunnaic i ’dol seachad ach pòsadh. Cha robh a fradharc ach mall, a’s de shaoil leatha bha i ’faicinn ach tiodhlacadh. “O!” ars ise ’s i ’bualadh nam bàs, “Siod an t-slighe air an teid sinn uile!” Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air slaoightear. Am fear ’s luaithe làmh ’se ’s fearr cuid. Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. [TD 332] [Vol. 3. No. 42. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor, “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, APRIL 20, 1895. A Antigonish. Fhir deasachaidh choir,—Cha d’ fhuair mi cothrom air litir a sgriobhadh ugad air an t-seachduinn so; ach curidh mi uged litir a fhuair mi o choraid o chiunn ghoirid agus tha mi làn cinnteach gu’m bi i air a leubhadh le mor tholachadh le luchd gabhail a MHAC-TALLA. So e:— “A CHARAID GHRAHHACH.” “Guidheam ort a bhi eutrom orm an am na aicheamhail. Tha mi cinnteach gu bheil thu roimh ’n diugh a “bogadh nan gad” agus gu bheil an dolas a feitheamh orm an uine gun bhi fada. Ach ’s beag a dh’ fhairicheas mi doruinn nam buillean ma ’s ann ’sa Ghàidhlig a bheir thu mach mo bhinn. Bidh mi coltach ris an fhear a tha Livy a toirt cunntas air an Eachdraidh na Romanach—(am fear a mharbh Hasdrubal)—“quum laceraretur tormentis fuit eo habitu oris ut, laetitia etiani ridentis.” Fhuair mi do litir o chionn corr is ceithir seachdiunnean—’ga innseadh dhut fhein agus do ’n chlaich ghlais ad thall,—ach cha robh cothrom ro mhath agam air a freagairt gus an diugh, (shil sneachda mor an raoir agus sheid i sin an diugh cho coimheach, iargalta ’s nach deachaidh mi idir a chumail na sgoil, ’s bha a la agam dhomh fhéin.) Thug e fior thoil-inntinn dhomh a leirsinn bho ’n Chascat, agus bho d’ litir fhéin, gu bheil buidheann do dhaoine fòghluimte gun mheang anns a bheil an fhior fhuil Ghaileach a’ ruith gu dian nan cuislean a cumail suas comunn Gàidhlig am bliadhna ann an Oil-thigh Antigonish agus gu bheil sibh a cur roimhibh a chànain bhlasda, phroiseil, uasal, urramach, a shàbhalladh ’o bhi air a call; agus gu bheil sibh a brath a cliu ardachadh suas as cionn mi-run nan Gall aineolach, aingidh. Be mo mhiann gu rachadh a cliu cho ard ’s bu chor gu am bith na dubh-Ghaill a cur doirr air a’ suilean ag amharc oirre a’ dealradh as na cionn mar ghrian. Na sgonnabhallaich gun mheas; saoil nach iomadh uair a chuir e sgreatachd orm pairt dhiu a chluinntinn a’ ruith sios agus a càinneadh na Gàidhlig chòir ann am beurla raprch, chrupach, chrotach, phliutach, leis am bith naire air duinne ceart sam bith iasad iarraidh do sheana sgian-tharruinn? Agus sin mu chainnt cho binn-fhalach, pailt-bhriathrach ’s a th’air an t-saogaal uile “Cainnt làidir, ruithteach, Is neo-liotach fuaim; ’S i seadhail sliochdmhor, Brisg-ghloireach, mall, luath.” Faodaidh iad a rath gn’m beil a Laidionn, ’s a Ghreuguis, toilteannach air cliu, agus urram, bho ’n bha daoine ainmeil ga sgriobhadh mar Caesar agus Zenophon; ach càit an d’ fhuair iad riabh buaidh air a Ghaidhlig? Bha daoine foghainteach, cliuteach ach anns an Eadailt ’s anns a Ghréig ach an dh’ fhuair iad buaidh riamh air na Caoill-daoine—na seòid a bha ’n “tir nan beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach?” No caite a’ robh an cuid dhiumhlach riobh coltach ri Fionn Mac Cubhail, Diarmaid, ’s Oscar, ’s Gaul Mac Mhorni? ’S ma ’s ann an cuid bàrdachd a tha muinntir na Laidionn ’s na Greuguis a deanneamh uaill caite, na cuin a bha i na b’fhearr na idir cho math ri bàrdachd Oisein, na ri ranntachd is piobaireachd, òrain is luinneagan a tha againn bho’n Chomhachaig, is bho’n Phiobaire Dhall, bho Iain Mac Odrum is bho Dhunnacha Bàn, bho Ailean Dall is bho Eobhan Mac Lachuinn, bho Uilleam Ros, is bho Alaisdir Mac Mhaighstir Alaisdir. Sin an fheadhain aig a robh comas-labhairt tartarach, luaineach a chuirreadh spiorad ’sa ghealtair a choisneadh buaidh-làrach; agus am pailteas binn-ghloireach cainnt; a bheireadh tioma air a ghaisgeach ri àireamh nan laithean a dh’fhalbh na ghluaiseadh cridheachan mhnathan agus mhaidinnean gu seinn le solas. Leis a sin guidheam piseach ’s buaidh ’s cinneachadh do’n Chomunn Ghaidhlig agus gu’n tionntaidh a h-uile ni eìle gu taitneach leotha cho math ri cumail suas na Gàidhlig. Sann a chuir e iongantas orm cho math ’sa chuir thu litir air dòigh anns a chainnt nach do chleachd thu a bheag is tha mi ’n dòchas gu sgriobh thu an ath litir sa chànain chianda. Cha’n eil dad do chleachdaidh agam fhein air a sgriobhadh, agus tha mi cinnteach gu ’m beil pàirt dhe so leabaideach gu leóir, ach cha do mhill mearachd-facail cliu duine riabh. Leig mi ruith le m’ theanga cho mor mu’n Ghàidhlig ’s nach eil math dhomh bruidhinn air rud sam bith an drasd. Cuir fios ugam gu’n dail ciamar tha gnothaichean ann a sin; agus bheir mo bheannachd do’n h-uile fear-faighneachd—gu sonnraichte do Nial, do dh’ Aonghas (mor) agus do Sheumas—ged a’s dona ’thuigeas e i anns a Ghàidhlig, an duine truagh. AONGHAS. Antigonish, April 15, ’95 CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 333] [Vol. 3. No. 42. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha sinn a’ chuinntinn gu bheil am fiabhrus dearg ann am Port Morien an dràsda. Tha na sgoilean air an dùnadh air a thàilleabh. Thug an t-side car glé fhuar aisde air an t-seachdain so. Bha deireadh na seachdain s’a chaidh cho briagha ’sa dh’ iarramaid, ach toiseach na seachdain so dh’ fhàs i anabarrach fuar. Tha ’n t-Easbuig Camaran á Antigonish, agus an t-Easbuig Domhnullach á Charlottetown, an deigh falbh air cuairt do’n Ròimh. Dh’ fhàg iad Halifax Di-sathairne s’a chaidh. Cha bhi iad a’ tilleadh gu ceann da mhios. Bha reis each air an deigh aig Mill Pond ’san Eilean Mhor Di-luain ’sa chaidh. Bha sinn an dùil gu robh an deigh cho dona ’s nach b’urrainn each a dhol oirre idir gun tighinn air reis a chur oirre. Ged tha cùisean glè fhad air ais ann an Newfoundland, tha choltas air gu ’m bi iad gu math na’s fhearr an ùine ghoirid. Tha iasgach nan ròn a’ tionndadh a mach anabarrach math agus ni sin leasachadh mor air cor na dùthcha. Tha ’n t-Urr. A. I. Domhnullach, ministeir Bhaile-nan-Gall, an deigh gairm aon-ghuthach fhaotainn á Sunny Brae ann an Cléir Phictou. Cha’n eil fhathast bliadhna o’n shuidhich e far am beil e, agus tha sinn cinnteach gu’m biodh an coithional glè dhuilich dealachadh ris. Chaidh fear Domhnull Mac Citheagain, do’m b’ àbhaist a bhi fuireach anns a’ Mhéinn Uir, a mharbhadh ann an Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid. Dh’ fhàg e Ceap Breatunn o chionn ochd bliadhna. Bha e ’g obair ann an Springhill treis a dh’ ùine mu’n deachaidh e ’n iar. Chaochail gille beag ann an Elmira, Ontario, an la roimhe, agus an deigh a thiodhlacadh fhnaireadh a mach gu ’n d’ thug gill’ eile droch bhreab dha ’san stamaig an latha sin fhéin, agus a réir coltais gu’m b’e sin a dh’ aobharaich a bhàs. Bha ’m fear a thug a bhreab dha a’ feuchainn ri e fhéin ’s gille eile chur a shabaid. Cha’n eil romhainn a nise ach deich latha dhe’n earrach, agus an sin bi’dh an samhradh againn. Ged tha ’n t-earrach car fad air ais, cha ’n urrainn dhuinn gearan air a’ gheamhradh a chuir sinn seachad. Cha robh fuachd mor sam bith againn, agus a mach o na shil de shneachda ceud mhios an earraich, ’s e geamhradh cho briagha ’sa bh’ againn ’san dùthaich so o chionn fhada. Di-ciaduin s’a chaidh bha aig ceithir siorrachdan ann an Canada ri fir-pàrlamaid a thaghadh. Roimhe so ’se “Conservative” a bha stigh anns gach aon dhiubh, ach a mise, cha’n eil ach aon “Chonservative” a stigh. Thug na “Liberals” uatha trí dhiubh. B’e té de na sioarrchdan sin Antigonish, agus chuireadh a stigh Mr. Mac Isaic, le ceùd bhòt ’sa deich a bharrachd air Mr. Siosal, a bha ’ruith ’na aghaidh. Minard’s Liniment a’s fhearr. Tha muinntir Cholumbia Bhreatunnach, a cur a bhradain a null a Lunnuinn, agus ’s e ’n rathad a tha iad ’ga chur, mu ’n cuairt Astralia. Tha e mar sin a’ dol còrr us leth thimchioll an t-saoghail. Bhiodh e moran na bu ghiorra dhaibh a chur troimh Chanada. Tha bruiuhinn aig muinntir a bhaile so air latha-breith na ban-righ a chumail am bliadhna le barrachd othail is greadhnachas ’sa rinn iad riamh roimhe. Bhiodh sin glé iomchuidh, agus tha sinn an dochas gu’n téid iad uile an guailibh chèile mu’n chuis, agus gu’n dean iad latha mor dheth. Fhuaireadh saor do’m b’ainm Conrod Yonker, marbh ’na leabaidh ann Charlottetown ’sa mhaduinn Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois. Bha coimhearsnach dha ’na chadal ri taobh a leapa, ’nuair a fhuaireadh e. Bha iad ’nan dithis ag òl gu trom an oidhche roimhe sin. Chaidh fear Iain Mac Gilleain, a mhuinntir Rathad Lingan, a mharbhadh aig an “International Pier” ’sa mhaduinn Diordaoin. Bha e ’g obair air an laimhrig, agus thuit e dheth, ’s chaidh a ghoirteachadh cho dona ’s nach robh e beò ach leth-uair. Chaidh fear eile, gill’ òg de’n ainm Poushay, a ghoirteachadh aig an àm cheudna, ach cha bhi dad air an ceann latha no dha. Ann an Tobar-Mhoire, am Muile, air a 15mh latha dhe’n Mhàrt, chaochail Fionghal Chaimbeal, bantrach an Urramaich nach maireann, Padruig Mac Gilleàin, á Steòrnabhaigh. ’Se so “Maighstir Padruig” a shaothraich fad iomadh bliadhna ann an coithional Hogamah ’s nan Naraows Bheaga agus tha moran de sheann daoine ’s de sheana mhnathan anns na coithionalan sin aig a bheil deagh chuimhne air fhéin agus air a shaothair am measg an t-sluiagh, gus an latha ’n diugh. Chaidh dithis dhaoine, Domhnull Hardy agus Alasdair Mac Fhionghain, a mharbhadh anns a’ mhéinn ann a’ Seana Bhridgeport Di-màirt s’a chaidh. Bha’n t-àite anns an deachaidh am marbhadh gun fhosgladh bho thoiseach a’ gheamhraidh agus bha moran ‘gas’ air cruinneachadh ann, agus cho luath ’sa chaidh iadsan a stigh leis na soluis, spraidh e agus bha iad air an grad mharbhadh. Bha àireamh de dhaoin’ eile air an leth thachdadh leis a’ cheò, ach tha iad air a dhol am feabhas. Minard’s Liniment air son Loine. Bha ca oifigeach airm á Halifax anns a bhaile toiseach na seachdain, air toir fear Richardson a theich as an arm o chionn còrr us bliadhna agus a chaidh a ghlacadh anns a’ bhaile air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair an so riamh o’n theich e, agus chaidh a bhrath le fear de chompanaich a chaidh a mach air. ’Se thug air teicheadh as an arm, gu robh toil aige pòsadh. Bha deagh ainm aige anns a’ reiseamaid d’ am buineadh e, agus cha’n eil teagamh nach fhaigh e as gu math eutrom. Cuir Minard’s Liniment ri d’ fhalt. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 334] [Vol. 3. No. 42. p. 6] mòr air mo mhealladh is e seo an ni sonruichte ’tha ’g ur gluasad gu bhi ag ionnsachadh agus a cur meas air ur cainnt dhùthchasach. Tha iomadh dòigh anns am beil eolas ar cainnt ro fheumail agus faodaidh mi aon no dha dhiu ainmeachadh. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil againn anns a’ Ghaidhlig aon de na h-eachdraidhean a’s earbsaiche a tha ri ’m faotainn anns an t-saoghal an diugh, agus aidichidh na h-uile gu ’m beil na h-eachdraidhean seo ro luchmhor. Cha chuirear teagamh sam bith ann an luachmhorachd an fhiosrachaidh a gheibhear bho eolas air gné na cruinne agus air cleachdaidhean a’ chinnidh-daoine ann an ciad linntibh an t-saoghail, gidheadh cha’n ’eil annta seo ach nithe marbha tha ro dhuilich an tuigsinn. Air an laimh eile tha againne cainnt bheo a tha sinn a’ tuigsinn agus anns an d’ fhàs sinn suas gu bhi an ni a ta sinn. Tha ’chainnt bheo seo a ruigsinn air a h-ais gun bhriseadh sam bith gu teas-mheadhon ceò agus dorchadas na h-àrsachd, agus tha i nochdadh troimh na linntean a leithid de riaghailt ’na fàs ’s gu’ m beil i gabaail a’ chiad àite am measg chànainean an t-saoghail. Tha sgoilearan agus daoine foghlumaichte faicinn gu ’m beil mòran eolais ri fhaotainn troimpe, agus tha iad aig mòr shaothair gu bhi ’ga h-ionnsachadh. Dhuinne aig am beil a’ chainnt, agus a tha comasach air a teagasg a leantuinn fada air ais, tha i ’na h-ionmhas os ceann luach cho fad ’s a, ghleidheas sinn a bheag de ghliocas tuigseach agus de ghradh-dùthcha. Faodaidh cuid saoilsinn gu ’m beil mi ag ardachadh na Gaidhlig tuilleadh ’s a’ choir ach smuainicheadh neach sam bith a tha tuigsinn luach na Gàidhlig dhuinn-fein agus do sgoileirean na Roinn-Eorpa anns an latha an diugh, agus aig am beil beagan eolais mu luirg-coise nan Gaidheal an eachdraidh an t-saoghail smuainicheadh a leithid so de neach ma’s urrainn da, air a’ Ghàidhlig agus a cùnntas a bhi air an dubhadh a mach o eachdraidh a’ chinne-daoine agus de an fhalamhachd a bhitheadh an sin. Cha ’n ’eil mi dol thairis air a’ choir idir; ’s ann a tha mi labhairt briathran na measarrachd agus na firinne. Agus nach mòr an ni e gu ’m beil sinn comasach air co-chomunn a bhi againn ri cheile ’n ar cainnt dhùthchasach—an aon chàinnt troimh ’n urrainn duinn beantuinn ris na faireachduinnean a’s doimhne agus a’s finealta ’n ar nàdur. Tha ’Bheurla gun teagamh gle fheumail ann a bhi cur an ceill smuaintean dhaoine ach tha e fhathast ri bhi air a dhearbhadh gu ’m bail i comasach air ruigsinn gu doimhne a’ chridhe. Tha i cho cearnach, trom, agus neo-thlusail, agus gur ann a theirear baird riu-san do ’n urrainn beagan liomhachais agus sunntachd a chuir innte ged is tric nach ’eil coir sam bith aca air an ainm. Cha’n ann mar seo a tha’ chuis le ar cainnt bhreagha fein. Tha bardachd anns na h-uile facal dhi, agus, ma ’s aill leinn a bhi beo anns an t-seadh a’s airde agus a’s uaisle, feumaidh sinn ar càinnt mhàtharail a ghleidheadh mar chainnt bheò bhlàth bhàigheil ar beatha. Agus nach mor an ni comas a bhi againn air ar n-orain binne fein a thuigsinn agus a sheinn. Tha gach aon diubh seo cho grinn, finealta, ’s nach fhuiling iad buntainn riu air dhòigh sam bith. Tha cuid dhiubh tha ’g eiridh cho ard os ceann smuaintean saoghalta ’s gu ’m bheil e duilich a chreidsinn gur ann le daoine rinneadh iad, agus ’s ann bhuaithe seo a gheibhear creideas air a thoirt do na sithichean airson na h-uireid diubh. Ach cha ’n ’eil na fuinn thlachdmhor seo fhathast air an tuigsinn gu ceart agus cha bhi iad sin gus an eirich duine suas a bhitheas comasach air am mineachadh gu soilleir. Cha bu choir gu’m bitheadh againn ri feitheamh fada nis airson fior Ghàidheal aig am bitheadh uiread de ionnsaicheadh, de bhlathas-cridhe, agus de urram, ’s gu’n rachadh aige air na seudan seo a shuidheachadh air doigh a leigeas ris an àilleachd gu h-iomlan. Ach gu ruig sin bithidh sinn a cur meas orra mar a ta iad, agus gheibh sinn toil-inntinn uapa nach fhaigh sinn o ni sam bith eile de ’n t-seorsa. Tha ar dùthaich làn de eachdraidh agus de sgeulachdan mu na sithichean agus mu ’n Fheinn, nach urrainnear a thuigsinn ach leis a’ Ghàidhlig a mhàin. ’S gann is urrainn domh smuaineachadh air cho lom bochd ’s a bhitheamaid, agus cha ’n e mhain sinne ach Sasuinn agus litreachas Shasuinn mar an ceudna, a dh’ easbhuidh nan diomhaireachdan agus nan iongantasan a gheibhear aig toiseach eachraidh Bhreatuinn. Tha ainmean nam bailtean agus nan aiteachan eile feadh nan eileanan seo lan seadh dha-san aig am beil a’ Ghaidhlig. Tha mi gu tric duilich airson an duine a shiubhlas feadh na dùthcha gun fhios a bhi aige ciod is ciall do ainmean nan aitean far an taoghail e. Amhaircidh e seo air beanntaibh, ’s gleanntaibh, ’s aimhnichibh, agus chi e gu ’m bheil iad glòrmhor, briagha ri ’m faicinn ach cha’n’eil tuigse sam bith aige do ’n t-seadh agus do’n eachdraidh tha air am filleadh suas ’nan ainmibh Gàidhlig. Tha Beinn-Neamhuis, Beinn-Uamhais, Beinn-na-muice-duibhe, agus Beinn-le-Dia, làn bardachd agus eachdraidh, ach cha’n ’eil ciall no seadh sam bith anns na h-ainmean Beurla a th orra. Tha pong chudthromach eile dh’ iarrainn ainmeachadh, agus ’s i sin, cho luachmhor ’s a tha ar càinnt dhùthchasach dhuinn mar mheadhon’ foghluim. Cha ’n ’eil dòigh sam bith ni’s fhearr chum buadhan na h-inntinn a chur an cleachadh na bhi ’g eadar-theangachadh agus a coimeas da cainnt air am beil beagan eolais againn cheana. ’S ann troimh ’n chainnt a th’againn mar tha a dh’ fheumas sinn càinnt ur ionnsachadh. A’ mheud againn a dh’ ionnsaich Beurla ’s ann troimh ’n Ghaidhlig a rinn sinn e, agus ann a bhi ’deanamh seo lion sinn na focail fhalaimh Bheurla le uiread de chiall ’sa shaoil sinn a chumadh iad; bha sinn an sin a faòtainn a mach de na tha facail ceudna a ciallach do na Sasunnaich fein, agus mar seo tha sinn comasach air an dà chainnt a choimeas ai cheil, agus a bhi feuchainn ri smaointean Gàidhlig a chur am Beurla agus smaointean Beurla chuir an Gàidhlig. Cha chreid muinntir cho feumail ’sa tha ’n cleachdadh seo gus am feuch iad fein ris. Bheir e air neach a bhi pongail na smaointean agus ’na bhriathran, agus fosglaidh e suas an inntinn an iomadh doigh. Anns an aite mu dheireadh is coir dhuinn ar cainnt a chumail suas do bhrigh ’s gu’m beil ar bith mar chinneach an crochadh rithe. Tha eachdraidh againn a tha os ceann eachdraidh cinnich sam bith eile, ach ma chailleas sinn ar càinnt caillidh sinn aig an àm cheudna an oighreachd mhòr seo agus mar shluagh fa leth cha’n aithnichear sinn ni ’s mo. Cha’n fhaod sinn a dhi-chuimhneachadh nach mair samhlachan an [TD 335] [Vol. 3. No. 42. p. 7] taobh a mach ach goirid ma theid an spiorad bàs. Tha ar gràdh-dùthcha agus ar maith fein a deanamh dian-thagraidh airson na Gàidhlig, agus is i mo bheachd gu’n aontaich sibh uile nach do chaill sibh a bheag air uine no air aire sam bith a thug sibh dhi cheana. Sin agaibh beagan de na smaointean a thainig gu m’ inntinn nuair a chuir mi rium fein a cheisd, “C’arson a tha sinn ag ionnsachadh agus a cumail suas na Gaidhlig?” Tha mi creidsinn gu leighis MINARD’S LINIMENT Amhach Ghoirt. Riondald, MRS. REUBEN BAKER Tha mi creidsinn gu’n toir MINARD’S LINIMENT air falt fàs. MRS. CHAS. ANDERSON. Stanley, P. E. I. Tha mi creidsinn gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn. METHIAS FOLEY, Oll City, Ont. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd Tha so air a chumail do C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidui, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. [TD 336] [Vol. 3. No. 42. p. 8] WENTWORTH HOUSE. BATHAR UR! BATHAR UR! AODAICHEAN, BROGAN, SIUCAR, TI. TI MHATH AIR TASDAN! LEINTEAN CURRAICHDEAN ADAN. Gach Seorsa Bathair ’s gach ni Saor. D. J. DOMHNULLACH. ORAN NAM FINEACHAN. LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. A chomuinn rioghail, runich, Sar umhlachd thugibh uaibh; Biodh ur roisg gun smuirnean, ’S gach cridh’ gun treas, gun luib ann; Deoch-slainte Sheumis Stiubhairt Gu muirneach cuir mu ’n cuairt; Ach ma ta giamh air bith ’nur stamaig, A chailis naomh na truaill. Lion deoch-slainte Thearlich, A mheirlich, straic a chuach; B’ i sud an’ iocshlaint’ aluinn, Dh’ ath-bheothicheadh mo chaileachd, Ged a bhiodh am bas orm, Gun neart, gun agh, gun tuar; Righ nan dul a chur do chabhlich Oirnn thar sail’ ri luaths. O, tog do bhaideil arda, Chaol dhionach, shar-gheal, nuadh, Ri d’ chroinnghridh bith-dhearg, laidir, Gu taisdeal nan tonn gaireach. Tha Eolus ag raitinn Gun seid e rap-ghaoth chruaidh O’n aird’ an ear; ’s tha Neptun dileas Gu mineachadh a chuain. Is bochd a ta do chairdean Aig ro mheud t’ fhardail uainn; Mar alach maoth gun mhathair, No beachan breac a gharridh’ Aig sionnach ’n deis am fasach’ Air failinn feadh nam bruach. Aisig cabhagach le d’ chabhlach, ’S leighis plaigh do shluaigh. Tha na dee ann an deagh run duit, Greas ort le surd neo-mharbh Thar dhronnag nan tonn dubh-ghorm, Druim-robach, barr-chas, siubhlach, Gleann-chladhach, ceann-gheal, sugh-dhluth, ’Nam mothar cul-ghlas, garbh; ’Nan cuan-choirean greannach stuadh-thorrach, ’S crom-bhileach, molach, falbh. Tha nuir is tir cho reidh dhuit Mur dean thu fein an searg’; Doirtidh iad nan ceudibh ’Nan laonnibh tiugha, treuna, A Breatunn is a Eirinn Mu d’ “standard” breid-gheal, dearg; A ghaisridh sgaiteach, ghuineach, rioghail, Chreuchdach, fhior-luath, gharg. Thig do chinneadh fein ort, Na treun-fhir laomsgair, gharbh, ’Nam beithrichibh gu reubadh, ’Nan leoghannibh gu creuchdadh, ’Nan nathrichibh grad-leunmach, A lotas geur le ’n calg, Le ’n gathibh faobharach ruinn-bheurtha, ’Ni mor euchd le ’n arm. ’Nam bratichibh lan eidicht,’ Le dealas geur gun chealg, Thig Domhnullich ’nan deidh sin, Cho dileas duit ri d’ leine, Mar choin air fastadh eille Air chath-chrith geur gu sealg; ’S mairg namhid do ’n nochd iad fraoch, Long, leoghann, crobh, ’s lamh-dhearg. Gun neartich iad do champa, Na Caimbalich gu dearbh, ’N Diuc Earraghaidh’ lach mar cheann orr’, Gu [?]lach, mear, prionnsail, Ge [?] a bheir air ionnsidh B’ e sud an tionsgnadh searbh; Le lannibh lotach, dubh-ghorm, toirtail, Sgoltadh chorp gu ’m balg. Gu tairbheartach, glan, caismeachdach, Fior thartarach ’nan rang, Thig Cluainidh le chuid Pearsanach, Gu cuanna, gleusta, grad-bheirteach, Le spainichibh teann-bheirtichte ’S cruaidh fead ri sgailceadh cheann: Bidh fuil ga ’dortadh, smuais ga ’spealtadh Le sgealpaireachd ur lann. Druididh suas ri d’ mheirghe Nach meirbh an am an air, Clann-Ghilleoin nach meirgich Airm ri uchd do sheirbheis, Le ’m bratichean ’s snuadh feirg orra, ’San leirg mar thairbh gun sgath: Am foirne fearail, neimhail, arrail, ’S builleach, ealamh lamh. Gun dig na fiurain Leodach ort, Mar sheobh ’gan ’s eoin fo ’n spaig; ’Nan tuiribh lann-ghorm, tinneasnach, Air charr-ghleus streup gun tiomachas, Air reisamaid fhior innealta, ’S fath giorig dol ’na dail; ’M bi iomad bocan fuilteach, foirmail, ’Theid le stoirm gu bas. Thig curidhnean Chlann-Chamrain ort, ’Theid meanmnach sios do ’n spairn; An fhoirionn ghuineach, chaithreamach, ’S neo-fhiamhach an am tarruinne, ’N lainn ghlas mar lasir dhealanich Gu gearradh cheann is lamh; ’S mar luaths na dreig e, ’s cruadhs na creige Chluinnteadh sgread nan cnamh. Thig milidhean chlann-Iain ort, ’Theid frithailteach gu d’ champ; Mar fhalisg ris na sliabh chnoic Is gaoth a Mhairt ga ’biathadh, No marcich’ air each srianach A rachadh sios gun chaird; Cho ealamh ris an fhudar ullamh An t-srad ’nuair ’bhuineadh dha. (Ri leantuinn.) [TD 337] [Vol. 3. No. 43. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, APRIL 27, 1895. No. 43. BEINN VESUVIUS. Anns a’ bhliadhna 1717, ann am meadhon a’ cheitein, rainig mi (arsa Easbuig Berkley) mullach beinne Vesuvius, anns am faca mi fosgladh farsuing as an robh smuid co mor a’ teachd a nios, ’s nach robh e am chomas doimhne no cumadh an t-sluichd fhaicinn. Anns an dubhaigean oillteil so, chuala mi fuaim eagalach, a’ teachd a nios, mar gu ’m b’ ann, a meadhon na beinne, agus air uairibh cosmhuil ri tairneanach no fuaim ghunnacha-mora, no leachdan creadha a’ tuiteam o mhullach thighean air a’ chabhsair. Mar dh’ atharraich an soirbheas air uairbh dh’ fhas an toit ni bu lugha, a’ taisbeanadh iasair dhearg, a bha mu ’n cuairt do bheul an t-sluichd, ballach dearg, agus air uairibh buidhe. An deigh dhuinn fuireach corr a’s uair, ’s an smuid a bhi air a h-atharrachadh leis an t-soirbheas, bha againn air uairibh sealladh aithghearr air an t-slochd mhor so. Ann an iochdar an t-sluichd, bu leir dhomh gu h-araidh da aite-theine dlu d’a cheile; bha ’n t-aon air an laimh chli mu thuaiream tri slatan air leud, as an robh lasair ruadh, a’ tilgeadh os a cheann doirneagan chlach a bha dearg-theith, le toirm anabarrach: agus an uair a thuit iad air an ais, rinn iad an stairirich choimheach sin a dh’ ainmich mi cheana. Air an ochdamh la de cheud mhios an t-samhraidh, dhirich mi moch ’s a’ mhaduinn an dara h-uair gu mullach na beinne so, agus fhuair mi beachd agus sealladh ur air an aite. Bha ’n toit ag eirigh suas co direach reidh, ’s gu ’n d’ fhuair mi lan-shealladh air beul an t-sluichd, a bha, a reir mo bharail, mile mu ’n cuairt, agus mu cheud slat air doimhneachd. O ’n a bha mi ’n so mu dheireadh, bha carn mor cruinn air cruinneachadh ann an iochdar an t-sluichd. Thachair so o na clachaibh a bha air an tilgeadh suas, agus a thuit a ris air an ais anns an t-slochd. ’S ann ’s a’ mheall ur so a bha ’n da theine a dh’ ainmich mi. Bha ’n dara h-aon diubh, gach tri no ceitheir de mhionaidibh, a’ tilgeadh an aird le fuaim uamhasaich, aireamh anabharrach de chlochaibh dearg, teinnteach, air a chuid bu lugha tri cheud troidh os mo cheann; ach do bhrigh nach robh gaoth ann thuit iad sios anns a’ cheart ait as an d’ thainig iad. Bha ’n t-aon eile lan do stugh leaghta dearg, teith, mar chi sibh ann an tigh deanamh ghloineachan, air ghoil agus tre a cheile, ag at ’s a’ gluasad mar thonnaibh na fairge, le toirm bhras, ghoirid. Air uairibh chuir an stugh goileach so thairis, agus ruith e sios air taobh a’ chuirn, dearg-theith mar thainig e mach, ach chaochail e ’dhath ’s a choslas mar chruadhaich agus mar chinn e fionnar. Na ’n atharraicheadh a’ ghaoth, s gu ’n seideadh i chum an taobh air an robh sinne, bha sinn an cunnart a bhi air ar marbhadh leis na mill leaghta a bha air an tilgeadh o ’n aigean, ach o’n a bha ’ghaoth freasdalach, fhuair sinn cothrom air sealladh beachdaidh a ghabhail air an ait iongantach sin car uair-gu-leth a dh-uine. Air a’ chuigeamh la de mhios meadhonaich an t-samhraidh, chunnacas an sliabh so fad an rathaid o bhaile-mor Naples, a bruchdadh thairis; agus tai laithean’n a dheigh sin dh’athuraicheadh an fhuaim thorrunnach e thainig as, air chor ’s nach e a mhain gu ’n do chrithich gach uinneag, ach mar an ceudna gach tigh, a bha sa’ bhaile, chriothnaich iad o’n steidh. O’n am sin dh’ at e thairis, agus air uairibh san oidhche chithteadh mill theinnteach air an tilgeil fad’ os a ceann anns na speuraibh. Air an deicheamh la ’n uair a shaoil sinn gu ’n do sguir i, thoisich i as ur, ag at agus a’ beuchdaich gu h-oillteil. Cha ’n ’eil e n’ comas do neach beachd a’s firinniche bhi aige air an fhuaim a thainig uaipe, ’n uair bu choimhiche i, na smuainteachadh mar gum biodh doinionn ghailbheach a’ gheamhraidh, toirm atmhor a’ chuain mhoir, torunn speur agus callaid ghunnacha-mora, air an aon am, a’ deanamh co’-fhuaim eagailaich le cheile. Ged a bha sinne da-mhile-dheug air astar, bu chulaidh-uamhais an fhuaim. Chuir sinne romhainn dol ni bu dluithe air an t-sliabh, agus thug triuir no cheathrar againn bàta leinn, agus chaidh sinn air tir aig bun na beinne. Mharcaich sinn an sin ceithir mile mu ’n d’ thainig sinn a dh-ionnsuidh an stugh leaghta a bha sruthadh a nuas ’n a chaoiribh dearga air slios na beinne. ’S ann a nis a chinn an stairirich agus an fhuaim uamhasach thar tomhas. Anns an neul a bha os ceann beul an t-sluichd, mhothaich mi gach dath a bhiodh ann am breacan. Bha maraon rughadh dearg, uamhasach anns an speur, os ceann an aite far an robh an stugh teinnteach a’ tearnadh. Bha, mar gu’m biodh, abhuinn mhor de stugh leaghta a’ ruith a nuas o mhullach gu bonn na beinne, agus le neart nach b’ urrainnear a chasgadh, a’ milleadh, a’ losgadh, agus a lom-sgrios gach fion-lios, gach craobh olaidh, agus gach tigh a thainig ’n a rathad; agus sgoilt am beum sleibhe so as a cheile air gach taobh mar bha creagan agus cnuic a’ cur grabaidh air ’n a dheann-ruith mhillteach. Bha ’n sruth bu mho dhiubh mu leth-mhile air leud agus cuig mile air fad. Dhirich mi suas beagan ri taobh na h-aibhne teinntich so; ach b’ eiginn domh grad-theicheadh air m’ ais, a thaobh ’s nach mor nach do thachd faileadh a’ phronnaisc mi. Am feadh a bha sinn a’ dol air ar ’n ais mu thri uairean sa’ mhaduinn, chuala sinn beucaich na beinne, a ranaich gu h-oillteil fad na slighe; agus chunnaic sinn i a’ tilgeadh os a ceann steallan lasrach agus clachan teinnteach, a bha, mar a thuit iad air an ais, cosmhuil ri rionnagan drileannach a thuiteas o theine ealanta a ni daoine le fudar. Air leam gu ’n robh na clachan teinnteach sin air an tilgeadh mile troidh direach anns an athar os ceann mullach an t-sleibh. Anns an t-suidheachadh so dh’fhuirich e re sheachd no ochd de laithibh. Air an ochdamh-la-deug de’n mhios cheudna, sguir gach coltas de ’n t-seorsa so, agus bha beinn Vesuvius mu dheireadh gu ciuin samhach, gun smuid, gun lasair.—Leabhar nan Cnoc. [TD 338] [Vol 3. No. 43. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB XIII. Chuir Seumas roimhe, an uair a chunnaic e nach cuireadh an sgiobair air tìr e, gu’n deanadh e e-fhein riaraichte leis gach ni a thigeadh ’n a rathad, nam b’ urrainn da. Ged nach robh e ’n a dheadh sheòladair, cha do chuir an tinneas mara a leth uiread de dhragh air ’s a bha e ’n dùil. Bha e ’faotainn pailteas bìdh; oir bha e aig an aon bhòrd ris an sgiobair. Cha robh an sgiobair ag iarraidh air a làmh a chur an an obair sam bith; ach air ghaol an uine a chur seachad agus an cianalas a chumail air falbh, bhiodh e mar bu trice a’ toirt làmh-chuideachadh do na seòladairean. Ann am beagan ùine tharuinn e d’ a ionnsuidh deadh-ghean gach aoin air bòrd. Bu glé thoigh leis an sgiobair e, agus mar bu trice bhiodh e ’n a chuideachd. Bha aimsir mhath aca fad a dhà no trì sheachduinean; ach o ’n a bha am beagan soirbheis a bh’ ann ’n an aghaidh, cha robh an sgiobair riaraichte leis an astar a bha iad a’ cur ’n an dèigh. Bha eagal air nach b’ urrainn da a bhith anns a’ bhaile-phuirt cho tràth air a’ bhliadhna ’s bu mhath leis. Mu ’n àm ’s an robh iad leitheach cuain bhrist an t-sìde. Shéid a’ ghaoth cho làidir ’s nach b’ urrainn daibh ach fior bheagan aodaich a ghiùlan. Ged a bha so mar so, nan do thachair gu robh a’ ghaoth fàbharrach bha cùisean air a dhol leotha math gu leòr. Ach bha ’ghaoth dìreach ’n an aghaidh fad na h-ùine, agus bha i ’séideadh gu làidir a latha ’s a dh’ oidhche. Ann an ceann beagan làithean an uair a chunnaic an sgiobair nach robh e coltach gu rachadh an t-side ni b’ fhearr ann an aithghearreachd, thòisich e ri fàs glé mhi-thoilichte ’n a inntinn. Thug so air a bhith glé ghreannach crosda ris an sgiobadh gu léir. Mur bu mhisde cùisean so cha b’ fhearrde iad dad e. Bha na seòladairean aig an àm air an sàruchadh le cruaidh-obair ’s le caithris, agus o’n a bha ’n àireamh bu mhò dhiubh glé dhalma neo-ar-thaingeil, cha ’n éisdeadh iad tiotadh ri mionnan agus ri caiseanachd an sgiobair. Bha ’n sgiobair ann an teis-meadhon feirge. Bha coltais feirge air a’ ghaoith agus air an fhairge; agus bha coltas feirge air gach fear a bh’ air bòrd, ach Seumas ’n a ònar. Mar a tha e furasda dhuinn a thuigsinn, cha robh aon chuid an sgiobair no na seòladairean a’ toirt an aire air an gnothach cho math ’s bu chòir dhaibh. Cha deachaidh ’s cha tèid cùisean gu math le daoine nach toir an aire air an gnothach gu cùramach. Ged a théid aig luchd an uilc air a’ chogais a chumail ’na tosd car ùine, cha téid aca air sin a dheanamh an còmhnuidh. Aig àm na trioblaid agus na deuchainn tha ’chogais a’ togail a guth gu làidir an aghaidh a chiontaich agus a’ meudachadh a thrioblaid-inntinn gu ro mhòr. An uair bu treise a’ ghaoth agus a b’ eas-umhla a bha ’n sgiobadh dha, bhuail e gu làidir anns an inntinn aig an sgiobair, gur ann a chionn gnothach a ghabhail ri Seumas a bha ’ghaoth agus an fhairge cho buaireasach. Thug an smaointean so air a bhith ni bu mhi-thoilichte na bha e riamh. Chunnaic e gu robh e air thuar barrachd mòr a chall na bha e gus a bhuannachd. Ged a bha’n long ann am meadhon a’ chuain bha eagal air gu’n cuireadh an fhairge gu buileach as a chéile i. Bha dòchas aige a h-uile mionaid gu fàsadh an t-sìde ni b’ fhearr, agus bha so a’ cumail beagan de mhisnich ris. Shìolaidh a’ ghaoth gu math air feasgar araidh, agus shaoil leis gu robh e gus gach ni fhaotainn a réir a mhiann. Ach mu’n do shoilleirich an latha shéid a ghaoth ni bu chruaidhe na rinn i riamh. B’ éiginn daibh an long a leigeadh air falbh leis a’ ghaoth. Ged a rinn iad so is gann a bha i ’fantuinn an uachdar leis mar a bha’n fhairge a’ beucadh ’s i na h-aon chàir ghil. Cha robh dùil sam bith aig fear seach fear de na bh’ air bòrd gu ’n tugadh iad a mach tìr gu bràth. Ach an àite’ bhith ’g ullachadh air son na sìorruidheachd is ann a thòisich iad ri òl na deoch-làidir a bh’ aca air bòrd. Chuir an obair so ioghnadh mòr air Seumas. An uair a dh’ fheòraich e dhiubh c’ ar son a bha iad cho beag ciall ’s gu robh iad ’gan sgrios fhein d’ an deoin, thuirt iad ris a beul a chéile, gur ann mar bu lugha bhiodh de’ n ciall aca dol thun a’ bhàis a b’ fhasa dhaibh am bàs fhulang. Bha cuid de’ n sgiobadh nach deanadh aon char obrach air chomhairle an sgiobair. Ach chaidh aige fhein agus aig dithis no triùir eile air an long a chumail a ruith leis a’ ghaoith gus an d’ fhàs a’ ghaoth lag. Ach gu mi-fhortanach chaill iad an cùrsa. Leag an sgiobair agus am met air an ól mar a rinn càch; oir thug iad dùil thairis gu faigheadh iad gu brath gu tìr beo, slàn. An uair a bha iad anns an t-suidheachadh so cha robh guth no iomradh aca air cunntas a chumail air astar a bha ’n long a’ cur na déigh, no idir có an taobh a bha i ’dol. An sin thàinig làithean de shìda dorcha, ceòthar orra, agus o nach robh fhios aca c’ àite an robh iad, leig iad leis an luing falbh mar a thogradh i. O’ n a bha ’ghaoth o’n iar ’s o’n iar-dheas, bha amhrus aca gu robh iad a’ sìor dhlùthachadh ris na h-Eileanan Breatunnach, no ri fearann na Frainge. Thòisich a’ ghaoth ri beothachadh as ùr agus thòisich an sgiobair agus sgiobadh ri gabhail an eagail. O’ n a bha amhrus làidir aca gu robh iad gu luath a dlùthachadh ri fearann eiginn, bha na cridheachan air chrith aca gu ’m biodh iad air na creagan ann an tiotadh. Bha iad anns an t-suidheachadh so fad latha ’s oidhche. Ged a bha iad a’ cumail a mach nach robh eagal sam bith orra roimh ’n bhàs, bha iad an impis an suim a chall leis an eagal. Bha ioghnadh anabarrach orra gu léir a chionn Seumas a bhith cho beag eagal ’s cho math misneach. Chuir an sgiobair ceisd air Seumais mu thimchioll na cùise, agus thuirt Seumas ris, gu robh e air a theagasg dhasan o làithean ’òige, gu ’m b’ e a ghliocas cho math ri a dhleasdanas làn earbsa ’chur ann an Dia aig gach àm agus anns gach àite, agus gu robh e ’g a fhàgail fhein ann an lamhan Dhé. Sheall an sgiobair gu dùr air an làr an uair a chuala e so agus bha e ’na thosd car tiotaidh. An sin thuirt e, “Bha ’cheart ni sin air a theagasg dhomhsa an uair a bha mi òg, ach is fhad o ’n a sguir mi a thoirt geill dha. Ma ruigeas tusa m’ aois-sa is dòcha gu ’m bi thu cheart cho suarach mu ’n teagasg a fhuair thu ann an làithean d’òige ’s a tha mise an diugh. B’ fhearr leamsa na chunnaic mi riamh gu robh mi cho saor o lochd an diugh ’s a bha mi aig d’ aois-sa. Ach dh’ fhalbh na làithean ud, agus cha till iad gu bràth tuilleadh.” [TD 339] [Vol. 3. No. 43. p. 3] Dh’ éisd Seumas ris na briathran so le mòr aire. Ach cha d’thug e freagradh sam bith air an sgiobair, do bhrìgh gu robh e soilleir dha, gu robh e air mhisg aig an àm. Cha robh beachd sam bith aig Seumas gu robh an long, ann an tomhas mòr, a’ falbh air chomhairle an t-sruth ’s na gaoithe. Cha mhò na sin a bha ’n sgiobadh a’ tuigsinn a’ chunnairt anns a robh iad. Cha b ’e gnothach an sgiobair, no a’ mhet, am fiosrachadh bu lugha a thoirt do ’n sgiobadh mu thimchioll co dhiubh a bha gus nach robh an cùrsa ceart aca. Tha aobhar a bhith creidsinn nach do thuig an sgiobair e-fhein, gu’n deachaidh e cho fad bhar a chùrsa ’sa chaidh e. Bha amhrus aige gu robh e air a dhol fad air seachran, ach bha dòchas aige gu robh e gu math fad o sgeirean ’s o chladaichean. Ann an dubh a’ mheadhon-oidhche dh’ aithnich an sgiobair gu robh iad gu math dlùth air cladach eiginn. Dh’fheuch e ris an long a chur mu’n cuairt, an dùil gu faigheadh e a toirt sàbhailte mach thun na doimhne. Anns an tighinn mu ’n cuairt dhi bhuail i air sgeir. Ged nach robh ghaoth cho laidir ’s a bha i làithean roimhe sin, bha onfhathadh na fairge cho mòr ’s nach robh de mhisnich aig na seòladairean na chuireadh a mach aon de na bàtaichean. Dh’ fheith iad air bòrd gus an do thòisich an latha ri soilleireach, an dùil gu rachadh a’ ghaoth ni bu lugha, agus gu socraicheadh an fhairge beagan. Ach an uair a thàinig an latha, bha ’ghaoth agus an fhairge cho fiadhaich ’s a bha iad roimhe. Cha b’ urrainn daibh fuireach air bòrd ni b’ fhaide, do bhrìgh gu robh an long a teannadh ri dhol as a chéile le ainneart nan tonn. Leig iad am bàta bu mhò leis a’ chliathaich, agus chaidh an àireamh bu mhò de na seòladariean innte; ach cha deachaidh iad dà cheud slat o ’n luing an uair a chaidh i thairis. Tha e coltach gu ’n do bhàthadh a h-uile duine a bh’ innte ann an sin fhein. Ged a chaidh an sgiobair agus Seumas agus a’ chuid eile de ’n sgiobadh air bòrd anns a’ bhàta bheag, cha robh dòchas sam bith aca gu ruigeadh iad tir gu bràth leatha. Cha mhò na sin a ràinig iad. Chaidh i thairis mar an ceudna, agus cha do ràinig tir beò de na bh’ innte ach Seumas agus an gille bùird a bh’ aig an sgiobair. B’ iad so an dithis bu lapaiche a bh’ anns an luing. Ged a dheanadh iad beagan snàmha le chéile, cha b’ fad a b’ urrainn daibh iad fhein a chumail am barr. Ach gu fortanach fhuair iad le cheile greim air sgonn math de’n fhiodh a bha na tonnan a’ bristeadh as an luing. An uair a bha e suas ri meadhon latha, chuir na tonnan air tir iad ann an eilean beag a bha mu mhìle o thir-mòr. An uair a fhuair iad greim air tìr bha iad cho sona ’s ged bu leotha oighreachd fhearainn. Bha iad fad na bha rompa dhe’n latha agus fad na h-oidhche anns an eilean, gun bhiadh gun bhlàths gun fhasgadh. Ged a mhothaich daoine dhaibh bhar tìr, cha b’urrainn iad bàta ’chur a dh’ ionnsuidh an eilean an latha ud. An uair a thugadh gu tir iad an là-iar-na-mhaireach is gann gu’m b’ urrainn do Sheumas seasamh; agus bha ’n gille-buird gun chainnt. Thugadh gun dàil iad do thaigh tuathanaich mhòir a bha faisge air a’ chladach, agus mu ’n d’ thàinig am feasgar an latha sin fhein, bha iad cho sunndach ’s cho slàn ’s ged nach tachradh tubaistean riamh riutha. Ann am beagan làithean bha iad cho làidir ’sa bha iad riamh. (Ri leantuinn.) Sgeul Mu Haoisgeir-na-Cuiseig Bha triuir choimhearsnach ann an iochdar Mhuile aig an robh briuthas. Air dhoibh beagan uisge-beatha a dheanamh dh’fhalbh iad leis ’nan triuir g’ a reic do Eilean Thiridhe. An deigh dhoibh an t-uisge-beatha a reic phill iad air an ais, ach an uair a bha iad fagus air cladach Mhuile—oidhche na Nollaige bige—sheid a ghaoth ’n an aghaidh le cur ro ghailbheach shneachda. Bha an oidhche dorcha, agus am fuachd do ghiulan, ionnas gu ’n do bhasaich dithis de na fir mu ’n robh iad ach goirid an deigh fuadach a ghabhail. Mhair an treas fear beo agus stiuir e am bata cho math ’s a b’ urarainn da. Beagan an deigh mheadhon-oidhche chuala e gairich-cladaich; rinn e air, agus an uair a thainig fagus ghlaodh fear bho thir ri fear a’ bhata, “Gabh mar so.” “Co thusa?” “Mise Mac-illeruaidh.” “Gabh mar so” ars’ an dara guth. “Co thusa?” “Mise Mac-illedheirg.” “Gabh mar so ars’ an treas guth.” “Co thusa?” “Mise Mac-illebhain.” Fhreagair am fear a bha ’s a’ bhata, “Gabhaidh mi a dh-ionnsaidh an aite ’s an cuala mi a’ chiad ghlaodh.” Chaidh e air tir agus chunnaic e gur i sgeir-mhara a nis anns an robh e le gle bheagan talanta oirre. Rinn e toll leis a’ bhiodaig, anns an robh e ’laidhe gun bhiadh gun deoch, ach aon chard de ìm. Chaidh e ’n sin a shealltainn an robh duine no creutair air an sgeir ach e fein; thuig e nach robh. A thuilleadh air a so sheall e air na h-aiteachan bho ’n cuala e na guthanna agus chunnaic e gu ’n robh e eucomasach dol air tir ach a mhain far an robh a’ chiad ghlaodh. Dh’ fhan e air an sgeir bho oidhche Nollaige bige gu Latha Feill Paruig. Bha e ’teachd beo air bairnich a’ chladaich air am buain le sgithin agus air an cur ris a’ ghrein an uair a bhiodh i ’dearrsadh. Dh’ itheadh e ’n sin iad le beagan d’ an ìm ’n an deigh. A h-uile h-oidhche chluinneadh e ghlaodhaich agus sgreadail mar gu ’m biodh muinntir ’g am bathadh; ruitheadh e sios gus an cladach ’s an uair a ruigeadh e, cha robh creutair beo air thoiseach air. Lean e mar sin gus an d’ fhas e sgith de bhì air a mhealladh. Bha e air an sgeir gus an do thog bata-iasgaich a an deigh Feill-Paruig agus thugadh e do Uist, far an robh e o thigh gu tigh ’g a eiridinn leis a h-uile caoimhneas gu Bealltuinn. Thainig e air ais gu ruig Muile agus an latha ’thainig e bha a bhean a’ roupadh no a’ reic a’ h-uile ni a bh’ aice. Nochd am fear a bha air a shaoilsinn a bhi baite, e fein ’s thill gach duine na nithean a chaidh a cheannach a dh-ionnsaidh na mnatha. Tha an sgeir air an robh e fagus air eilean Chana, agus is e ’h-ainm “Haoisgeir.” Dochas. Mu’n chagailt lom’ ’nuair shuidheas mi leam fein, Is smaointean searbh cuir m’anam truagh fo chradh, Gun aisling chaoin a thilgeas orm a seun, Is aonach fhuar na beatha dh’easbhuidh blath; An sin o Dhochas neamhaidh turluing leam, ’S mar sholus dealrach, aomsa dluth mu’m cheann. KEATS. Cha luaithe a thuiteas fear ann am fiachan na dh’ fheumas e teannadh ri innseadh nam briagan. Leighsidh Minard’s Liniment an Grippe. [TD 340] [Vol. 3. No. 43. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, APRIL 27, 1895. Tha Sina us Iapan an deigh tigh’n gu còrdadh. Cha ’n eil fhios le cinnt fhathast ciod e an còrdadh a rinn iad, ach tha e glé choltach gu’n d’ fhuair Iapan a dòigh fhéin cha mhor anns gach ni a bh’ eatorra. Tha cuid dhe ’n bharail gu bheil Iapan a’ dol a dh’ fhaotainn còir o Shina air pios mor fearainn, agus ma tha sin mar sin ’s gann a dh’ aontaicheas rioghachdan na Roinn-Eorpa, gu h-àraidh Ruisia, ris an t-sith idir, agus gun an aonta-san cha bhi an t-sith air a daingneachadh ach cha ’n eil theagamh nach teid aca air cùisean a réiteachadh gun a dhol a chogadh. Tha rioghachdan an latha ’n diugh na’s glice na bha iad ’s an àm a dh’ fhalbh; cha téid iad a chogri chéile gus am fairtlich gach dòigh eile orra. Tha Iapan a réir coltais a’ fàs gle mhor aisde fhéin. Tha i ’n deigh Sina a thoirt fo chis, agus tha amhrus aig daoine gu bheil miann mor aice nise air Hawaii a ghabhail dhi fhéin. Bha na h-Eileanan go gus o chionn da bhliadhna fo riaghladh ban-righ de na nàisinnich fhéin, ach an uair sin, rinn na daoine geala àr-am-mach na h-aghaidh, chuir iad a riaghladh bun os ceann, agus ghabh iad riaghladh nan eileanan ’nan làmhan fhéin. Ach a nise tha iad a’ gabhail an eagail gu bheil Iapan a’ dol a dheanamh riuthasan mar a rinn iad fhein ris a’ bhanrigh. Ma tha sin am beachd Iapan, cha ’n eil ni gus an tearnadh ach Breatuinn no rioghachd eiginn eile an gabhail fo ’tearmun, agus cha ’n eil cinnt sam bith aca gu ’n dean aon seach aon dhiubh sin. Ach theagamh gu’m biodh iad toilleach a dheanamh air son grabadh a chur air Iapan, oir tha iad dhe’n bharail gu bheil i a’ fas tuilleadh is làidir, agus ma leanas i air fàs, bi i na dragh mor dhaibh air ceann beagan bhliadhnaichean. Tha Breatuinn aig an àm so ann an còmhstri ri aon de dhùthchannan beaga cheann a deas America, Nicaragua. Tha ’n dùthaich so ag agairt còir air stiall mhor fearainn a tha o chionn fhada fo riaghladh Bhreatuinn, agus a’ gabhail dòigh mi-dhligheach air fhaighinn. Chuir Breatuinn an aghaidh sin gu làidir, agus an sin dh’ òrduich luchd-riaghlaidh Nicaragua a h-uile Breatunnach a bha ’san dùthaich fhògradh. Mu’n d’ fhuaireadh sin a dheanamh ghabh iad an t-eagal agus thug iad an t-òrdugh air ais. Tha Breatuinn an dràsda ag iarradh suim mhor airgid air son an call a rinneadh oirre, agus an tàire a thugadh d’a h-iochdrain. ’Nuair a dhiùlt Nicaragua sin a dheanamh, thug Breatuinn dàil thri latha dhith, agus mur bi an t-airgiod air a phàigheadh, no air a ghealltuinn, an diugh, (an 27mh latha) gabhaidh i a’ chùis na làmhan fhein. Cha’n eil teagamh nach bi an t-airgiod air a phàigheadh gu sitheil oir ’s cinnteach an ni nach gabh e cumail uaipe ma theid i gu làmhachas-làidir. Tha pàrlamaid Chanada an dràsda ’na suidhe agus tha coltas air nach bi i ’na suidhe ach ùine ghoirid. Cha ’n eil moran de chùisean cudthromach sam bith ri bhi air an cur fa comhair, agus cho luath ’sa bhios am beagan a th’ ann air an cur an darra taobh, bi’dh i ’sgaoileadh, agus an sin bi’dh aig an t-sluagh ri pàrlamaid ùr a thagadh. Chaidh nighean òg, aois naodh bliadhn’ deug, a mharbhadh aig Pictou Landing Di-mairt. Rug a brathair, aois da bhliadhn’ deug, air gunna agus thòisich e mar mhagadh air maoidheadh losgadh oirre. Bhuail rud-eigin anns a’ ghunna agus dh’ fhalbh an urchair. Chaidh am peilear ann an ceann na h-ighinn ’s cha robh i beò ach beagan mhionaidean. Cha robh ’n gille ’n dùil gu robh urchair ’sa ghunna idir. Thugadh priona á làmh fear Seumas Wright, aig Cape Traverse, E. P. I., an la roimhe, an deigh dha bhi innte deich bliadhna. Cha do chuir e bheag a dhragh air riamh gus o chionn mios. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. Gllios & MacEachuinn, Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh SIDNI & ST. PETER’S, C. B. J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 341] [Vol. 3. No. 43. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha ’m flùr a’ sior eiridh ann am pris. Chaidh e suas ochd sgillinn deug an barailte o chionn seachdain. Tha na tuathanaich anns na Stàitean an Iar a’ sior fhàgail, agus a’ dol thairis air a’ chrich gu Manitoba. O chionn da sheachdain chaidh ceud gu leth diubh thairis, agus tha iad ag radh gu bheil tuilleadh a’ tigh’n ’nan deigh. Chaidh gille Frangach do ’n ainm Jean Sabate, a ghlacadh an so deireadh na seachdain s’a chaidh air son uaireadair a ghoid. Thugadh gu cùirt e Di-luain, agus dh’aidich e a chionta. Thug am breitheamh dha sia miosan priosain. Tha fear d’an ainm Farr an sàs ann a’ Winnipeg air son ionnsuidh a thoirt air a bhean ’sa chlann a’ losgadh gu bàs. Bha toil aige cur as dhaibh air son té eile ris an robh e ’deanamh suas a phosadh. Bha e ’cumail an cleith oirre gu robh teaghlach aige. Thàinig a’ cheud bháta thairis air an acarsaid Di-domhnaich s’a chaidh. Tha ’n deigh a nise air falbh gu buileach, agus mur tig an deigh mhor a stigh, tha choltas air gu’m bi na soithichean air an cuairtean abhaisteach gu math na’s tràithe na bha iad o chionn ioma bliadhna. Rainig soitheach iasgaich baile New York an la roimhe ’s ochd mile rionnach aice air bòrd. Reiceadh a h-uile h-aon dhiubh air 25c. am fear. Cha robh an soitheach a mach ach beagan uine, agus rinn an caiptean ’s an criù deagh thuarasdal. B’ i a’ cheud shoitheach a ràinig am baile le luchd éisg air an earrach so. Thàinig call mor air Tormad Mac Asguill, ceannaiche, ann a’ Framboise, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an tigh-còmhnuidh agus an stòr aige a losgadh gu làr, ’s cha d’ fhuaireadh ni a shàbhaladh. Thòisich an teine á droch phiob. Tha ’n call air a mheas aig sia mile dolair. Cha robh airgiod urrais aig air ni dhe na chaill e. Chaidh seachdnar dhaoine a losgadh gu bàs ann an cearna de Wisconsan Di-dòmhnaich ’a chaidh. Bha iad ann am bothan taighe a mach ’sa choille far an robh iad ag obair, agus bha iad ag òl fad an latha. Tha e coltach gu’n deachaidh an tigh na theine ’s gu robh iad air an daoraich cho dona ’s nach do mhothaich iad dha. Bu Pholanders iad, agns cha’n eil fhios aig duine ciod a b’ ainm dhaibh. Thaghail Micheal Gillios, a tha ’g obair air an rathad-iaruinn eadar so us Louisburg, oirnn an la roimhe air a thurus dhachaidh gu Acarsaid Chloinn Fhionghain. Bha sinn duilich a chluinntinn uaithe gu bheil ar caraid, Iain D. G. Mac Néiil, gu tinn. Tha e anns an tigh-eiridinn ann a’ Halifax o chionn còrr us da mhios, ’s cha’n eil e bheag sam bith na’s fhearr fhathast. Tha sinn an dòchas nach fhada gus am bi e ’na shlàinte àbhaistich. Tha brògan us bòtainnean aig C. H. Harrington & Co. an dràsda a reiceas iad moran na’s saoire na’s abhaist dhaibh.—3i Tha fear Aonghas D. Gilbert a mhuinntir Nova Scotia an sàs ann am Boston air son mort. Mharbh e nighean òg do’m b’ ainm Alice Sterling. Tha iad a’ deanamh mach gu bheil e ss a rian. Tha bràrhair athar no no màthar dha anns an aigh-chaothaich o chionn fhada. Tha féill mhath air eich Chanada, ann an Sasuinn. Chaidh sia eich dheuga a chreic thall o chionn ghoirid, agus fhuaireadh eadar sia fichead us da cheud dolair am fear orra. Thatar, cuideachd a creic àireamh mhath de chrodh na dùthcha so ann, agus tha phris ag éiridh. Tha luchd-riaghlaidh Newfoundland a’ deanamh an uile dhichioll air fuasgladh air an t-sluagh. Tha iad an dràsda ag obair air obair-uisge ann am baile St. John’s, agus tha eadar coig ceud us mile duine air am fasdadh aca, a’ toirt dhaibh leth-dolar ’san latha. Leanaidh an obair so fad mios, agus an sin sguiridh i air son leigeil leis na daoine dhol dh’ ionnsuidh an iasgaich. Tha ’n Dotair Buchanan, a fhuaireadh ciontach de mhort a mhna o chionn dà bhliadhna, a nise fo bhinn bàis. Dh’ oibrich e fhéin ’s na fir-lagha cho cruaidh ’sa b’ urrainn daibh gus a chumail o bhi air a chur gu bàs, ach tha e glé choltach nach téid leotha an deigh a h-uile rud. Bha e ri bhi air a chur gu bàs ’sa mhaduinn Di-ciaduin, ach fhuair e dáil seachdain an deigh sin. Mur téid aige air dad a dheanamh ’na fhábhar fhéin ’s an ùine sin, bidh e air a chur gu bàs Di-ciaduin s’a tighinn. Cha do dh’ aidich e a chionta riamh. Thàinig bás gle aithghearr air fear Domhnull Mac Fhearghais, ann an Roseburn, faisg air Hogomah, air a 25mh latha dhe’n Mhàrt. Ghearain e ’sa mhaduinn gu robh a cheann goirt, agus an ceann uair no dha thainig an goirteas gu cùl amhach. Beagan an deigh sin, mar gu’m fairicheadh e laigse tigh’n air, chaidh e na shineadh ’s an leabaidh, agus mu’n gann a bha ’cheann air a’ chluasaig, chaochail e. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist a chinn a Deas. Bha e ’na dhuine còir, siobhalta, air an robh na h-eòlaich uile gle mheasail. An deigh so, bidh searmon Gàilig ann an eaglais St. Andrew’s da uair ’sa mhios, air a’ cheud ’s air an treas Sabaid dhe gach mios. Bi’dh mar an ceudna a’ choinneamh Ghàilig aca na h-uile oidhche di-luain. Cha robh de choinneamh Ghàilig aca fad a’ gheamhraidh ach mu leth-uair air oidhche Chiadain mu’n toisicheadh a’ choinneamh Bheurla, ’s cha robh luchd na Gàilig idir toilichte. Tha sinn an dòchas gu’m bi iad na’s cuimhniche air a dhol dh’ an choinneamh Ghàilig an deigh so na b’ àbhaist dhaibh a bhith, neo cha b’ iongatach leinn ged a sguirte dhe cumail gu buileach. Minard’s Liniment air son Loine. Cuir Minard’s Liniment ri d’ fhalt. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. [TD 342] [Vol. 3. No. 43. p. 6] LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG. AM BARD SGIATHANACH. Is lionmhor feart agus cumhachd-inntinn a leigeanh ris, agus a dh’ fhoillsicheadh leis na Bardaibh Gaidhealach. Gheibhear moran ’n am measg a bha ro chomharraichte, cha ’n e mhain air son deas-bhriathrachd agus oirdheirceas cainnte, ach mar an ceudna air son geiread, grad-leirsinneachd, agus dian-thuigse. Rugadh na feartan so maille riutha, agus bha iad, uime sin, nadurra dhoibh. Mar bu trice cha do tharruing iad a bheag sam bith de na buaidhibh a shealbhaicheadh leo, o fhoghlum, o theagasg, no air sheol sam bith o bhardachd nam filidh Greugach, no Romanach, no Sasunnach, do bhrigh gu ’n robh iad gu tur aineolach air gach ni a sgriobhadh leo sin fa-leth. Bha ’n luchd-dan a sgriobh ’n ar rioghachd fein ’s a’ Bheurla anns gach linn air ais, eolach air na Bardaibh Greugach agus Romanach, mar a bha Homer, Virgil, Horace, agus moran eile, agus bha iad a’ feudainn cuideachaidh o gach samhladh agus riochd-cainnte a bha air an gnathachadh leo sin anns na seann linntibh. Ach bha na nithe so uile, mar gu ’m b’ ann glaiste air luchd-filidh na Gaidhealtachd; agus an deigh sin, c’ ait am faighear ann an cainnt sam bith bardachd a bheir barrachd air moran de na danaibh a dhealbhadh ’s a Ghaidhlig? Tha Oisean mar gu ’m b’ ann leis fein, eadar-dhealaichte o na h-uile, air son maise agus freagarrachd nan samhladh a ghnathaicheadh leis. Ach gun ghuth a thoirt airsan, nach aillidh na samhlaidhean a ta air an dealbhadh leis a’ Bhard-Aosda, le Donnachadh Ban, Dughall Buchanan, Nighean Alasdair Ruaidh, Rob Donn, agus na ficheadan eile? Cha ’n ’eile creag, no beinn, no sruth, no cuan, no craobh, no luibh, no gaoth, no ceo, no ni sam bith ann an oibribh a’ Chruitheir mu ’n cuairt duinn, air nach d’ rinneadh greim chum an luinneagan aillidh a dheachdadh le maise agus beothalas! ’N am meag-san, uime sin, a rinn iad fein cliuiteach agus comharraichte air son fior dhuantaireachd bha am Bard Sgiathanach, Lachlunn Mac Thearlaich Oig. Ged nach eil mor-eolas aig an t-saoghal air, agus ged nach ’eil ach beagail a lathair de na danaibh a chumadh leis, gidheadh is airidh Lachlunn coir air ’aite fein fhaotuinn am measg nam Bard. Rugadh e am an sgiorachd an t-Sraih, anns an Eilean Sgiathanach, ’s a’ bhliadhna 1665. Bu mac e do Thearlach Og, Mac Thearlaich Mhic Ionmhuinn ’s a’ Cheann-Uachdarach. Bha Fear a’ Chinn-Uachdaraich ’n a thuathanach cothromach, measail, agus ’n a fhoirbheach eaglais. Bha e dluth ann an daimh ri Mac-Ionmhuinn Uachdaran an t Sratha. B’ i bu mhathair do Lachlunn, Mairi Nic-Leoid, nighean Iain Mhic-Leoid, fear na Droighnich, ’s an eilean cheudna. Bha paranta Lachluinn ro mheasail ’s an eilean, agus rinn iad an dichioll air gach foghlum ’n an comus a thoirt dasan, agus do’n chuid eile dhe’n teaghlach. Anns an linn sin cha robh sgoilean ach gle ana-minic air a’ suidheachadh ’s an Eilean Sgiathanach agus chum leas a’ theaghlaich a chur air aghaidh, fhuair Fear a’ Chinn Uachdaraich oganach as an Taobh deas chum teagasg a thoirt d’ a chuid cloinne. An uair nach robh Lachlunn ach fathast ’n a leanabh, nochd e gu soilleir gu ’n robh caileachd agus gride na bardachd ’n a chridhe. Aig aois ochd bliadhna nochd e treoir agus beothalas-inntinn nach faichteadh ach gu tearc ann am balachanaibh uiread eile na h-aoise sin. Bha e cridheil, sunndach, geur-bhriathrach, agus ro dheidheil air ceol agus bardachd. A uair a rinn a pharantan an dichioll chum gach foghlum ’n an comas a thoirt do ’n cloinn fein aig a’ bhaile, chunnaic iad gu ’n robh Lachlunn a’ toirt barrachd, air cach agus air an aobhar sin, air doibh a bhi cothromach ’n an staid fein, runaich iad Lachlunn a chur aig aois shea bliadhna deug gu Inbhir-Nathrunn, baile beag mu chuig mile deug an ear air Inbhirnis, far an robh sgoil ro ainmeil a dh-ionnsaidh an robh oganaich air an cur as gach cearnadh mu ’n cuairt. Dh’ fhan e anns an sgoil so re thri bliadhna, far an robh e cliuiteach, cha ’n e mhain air son tapachd a bhuaidhean-inntinn, ach mar an ceudna air son an durachd agus a’ bhuan-sheasmhachd leis an robh e ’g an gnathachadh, agus ’g an ath-leasachadh. Cha b’ fhad gus an d’ thug e barrachd air gach oganach eile a bha maille ris, agus gus an do choisinn e deagh-ghean a luchd-teagaisg gu leir. Dhasan cha b urrainn a bhi diomhain; agus an uair a bhiodh a chompanaich ri mireadh agus cluiche air na raointibh, gheibhte Lachlunn gu dian aig a leabhar fein. Bha e mar so a’ gnathachadh a mhionaidean taimh ann a bhi ’deanamh dhuanag ’s a’ Bheurla; agus bha cuid dhiubh gle bhiodheach. Ach do brigh nach b’ i a’ Bheurla cainnt a mhathar, cha robh na luinneagan sin airidh a bhi air an samhlachadh ris a bhardachd ghrinn a rinn e ’s a’ Ghaidhlig. B’ olc an airidh da-rireadh nach do sgriobh e sios ach fior neoni de na nithibh taitneach a rinn e ’s a’ Ghaidhlig, oir na ’m biodh iad gu leir air an gleidheadh, agus air an clodh-bhualadh ann an aon leabhar, thogadh iad an ughdar fein suas chum na h-ard-inbhe sin am measg luchd-filidh na Gaidhealtachd, air an robh e gun teagamh co ro airidh. ’N a phearsa bha Lachlunn Mac Thearlaich ’n a dhuine mor, sgiamhach calma, agus cha bu lionmhor iad a chuireadh a dhruim ri talamh. Gidheadh, bha e ciuin, macanta, agus stuama. Bha e comharraichte air son daimheileachd agus fior chairdeis. Bha tlachd aig na h-uile dha, agus bha a bheatha air a h-altachadh anns gach cuideachd. Bha e uasal ’n a nadur, gidheadh, iriosal ’n a ghiulan do ghnath. Bha gach ceann-cinnidh agus uachdaran air feadh na Gaidhealtachd eolach air, agus cha do mheas iad gu ’n robh cuideachd no comunn sam bith a chruinnicheadh air son aoibhneis no cridhealais, idir ceart agus iomlan, mur biodh Lachlunn Mac Thearlaich Oig a lathair maille riu. SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) Lionar an sporan le bhith ’cur beagan ann an dràsta ’s a rithist. Bidh saoibhreas air bheag stàth ann an là na trioblaid. An uair a bhios an sporran eutrom bidh an cridhe trom. Is e sgillin a chaomhnadh sgillin a chosnadh. Cuiridh an sporran falamh an teicheach air na cairdean Biodh do chosgais a réir do thighinn a sseach. Minard’s Liniment a’s fhearr. [TD 343] [Vol. 3. No. 43. p. 7] Facal a Braigh Amhuinn a Deas Antigonish. A CHARAID,—Innsidh mise dhuibh mo bharail a thaobh meudachadh a MHAC-TALLA, agus seo agaibh e; air cho mòr ’s gu ’n dean sibh am paipear cha’n eil math dhuibh a phris a mheudachadh oir tha roinn de na tha ’ghabhail ’ga mheas na phaipear daor an dràsda, agus tha mi ’creidsinn ma thogas sibh a phris gu ’m bi cuid diu a chuireas cùl ris. Tha mise air a h-aon làn thoilichte leis a MHAC-TALLA mar a tha e. Tha coig no sia de phaipearan Beurla tighinn thun an taighe ’s pàirt diu cho mòr ri dùthaich, ach bidh barrachd thoileachaidh orm ris a MHAC-TALLA na riu uile, (mach bho ’n Chasgaid,) chionn tha gach ni air a chur sios ann ro dhòigheil agus gu neo-chearbach. Tha òrain ann is fhiach an gleidheadh. Tha mi fhéin a’ deanamh leabhar dheth, agus gu dearbh cha déid aon díu air chall. ’S mise do charaid, ALASDAIR AN RIEGE. [Ged rachadh am paipear a mheudachadh air an t-samhradh so, cha tèid a’ phris àrdachadh idir. Tha sinn a’ meas gu bheil i àrd leòr, ged is aithne dhuinn mòran a bhiodh glé dheònach barrachd us dolair ’sa bhliadhna a phàigheadh air sgàth am paipear a chumail suas. Tha sinn air son a chumail cho saor ’s gu’m bi e comasach do na h-uile aig am bi an toil a ghabhail. Ma bhios ’nar comas, théid a mheudachadh, agus mur bi cha bhi àrach air; ach mur teid againn air a mheudachadh gun a phris a thogail, cha mheudaich sinn idir e. Cha do smaoinich sinn idir air a’ phris a thogail, agns tha sinn an comain ar caraid air son innse dhuinn gu ’n do shaoil le cuid gu robh romhainn sin a dheanamh.] Tha mi creidsinn gu leighis MINARD’S LINIMENT Amhach Ghoirt. Riondald, MRS. REUBEN BAKER Tha mi creidsinn gu’n toir MINARD’S LINIMENT air falt fàs. MRS. CHAS. ANDERSON. Stanley, P. E. I. Tha mi creidsinn gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn. METHIAS FOLEY, Oll City, Ont. Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B. TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 344] [Vol. 3. No. 43. p. 8] ORAN NAM FINEACHAN. LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. (Air a leanntuinn.) Gur cinnteach dhiubh g’ ur coinneachadh Mac-Coinnich mor Cheanntail’; Fir laidir, dhana, choinnealta, De ’n fhior chruaidh air a foinneachadh, Nach gabh fiamh no somaltachd, No sgreamh roimh theine bhlar; ’S iad gu narach, fuileach, foinnidh, Air bhoil gu dol ’ad chas. Gur foirmail, proisail, ordail, ’Thig Toisichean ’nan rang, A marsail statail, comhnard, Gu piobach, bratach Srol-bhuidh’; Tha rioghalachd is morchuis Gun soradh ann san dream: Daoine laidir, neartmhor, crodha, ’S iad gun gho, gun mheang. Thig Granndich gu ro thartarach, Neo-fhadbheirteach do d’ champ; Air phriob-losgadh gu cruadal, Gu snaidheadh cheann is chluas diu; Cho neimhail ris na tigiribh Le feachdridh dian-mhear, dan’; ’Chuireas iomad fear le sgreadil ’Sa bhreabadich gu lar. Thig a ris na Frisalich, Gu sgibidh le neart garbh; Na seocibh fior-ghlan, togarrach, Le fuathas bhlar nach bogichear; An comhlan feardha, cosgarrach, ’S mairg neach do ’n nochd iad fearg; An spuir ghlas aig dluths an deirich, Biodh ’nan eibhlibh dearg. ’Nan gaisridh ghaisgail, lasgara, Thig Lachuinnich gun chaird, ’Nan saighdibh dearga, puinseanta, Gu claidheach, sgiathach, cuinnsearach, Gu gunnach, dagach, ionnsichte, Gun chunntas ac’ air ar; ’Dol nan deannibh ’n aodunn pheilair ’Teachd o theine chaich. Gabhidh pairt de t’ iorghuill-s’ Clann-Fhionghain ’s oirdheirc cail; Mar thuinn ri tir a sior-bhualadh, No bile lasrach dian-loisgeach, ’Nan treudan luatha, sior-chonfach, ’Thoirt griosich air an namh; An dream chathach Mhuilleach, Shrathach; ’S math gu sgathadh chnamh. ’S mor a bhios ri corp-rusgadh Nan closichean ’sa bhlar; Fithich ann san rocadich, Ag itealich ’s a cnocaireachd, Ciocras air na cosgarrich Ag ol ’s ag ith’ an sath; Och, ’s tursach, fann a chluinntear moch-thrath, Ochanich nan ar. Bidh fuil is gaorr gam fuidreadh ann Le luth-chleasan ar lamh; Meangar cinn is duirn diu, Gearrar uilt le smuisreadh, Ciosnaichear ar biuthidh, Gan dubh-losgadh ’s gan cnamh: Crunar le ‘pomp’ Tearlach Stiubhart, ’S Frederick Prionns fo shail. Professor Blackie. Rinneadh na roinn bhòidheach a leanas le Niall Mac Leoid air dha chluinntinn gu’n do chaochail Blackie. An d’ fhag thu sinn a laoich nam buadh! Cha chluinn sinn tulleadh fuaim do bheoil, Cha’n fhaic sinn tuilleadh t-aghaidh shuairc’, Mar ghrian gun ghruaim am measg an t-sloigh! Ghearradh a’ chraobh bu torach blath, ’S a dh’ araich iomadh meanglan og, Bu taiteach leam a bhi fodh’ sgail, ’S mo chail a faotainn brigh a loin. A Ghaidhlig aosd’ is binne guth, Cuir ort an diugh do chulaidh bhroin; ’S t-fhear-tagraidh treun bu mhaiseach cruth Gun cheol gun chruit gu balbh fodh’n fhoid! Sheas e gu duineil thu mar sgiath, Le’ chainnt le’ ghniomh a dion do chliu, ’S do Chathair shuidhich e gu fial, Nach leig do ghloir an cians’ air chul. A ghlinn ’s a bheanntan tir mo ghraidh, Tha ’n ceo air tamh uimibh fodh sprochd; Cha’n fhaic sibh tuilleadh suil a’ bhaird A’ dearrsadh oirbh bho aird’ nan cnoc! Cha chluinn sibh tuilleadh fuinn a chiuil, A seinn gu sunndach feadh nan glac; Bu tric e cuartachdadh bhur stuc, ’S ag ardachadh bhur cliu le tlachd. A chlann mo dhuthcha ’us mo shluaigh, Tha latha gruamach oirnn air teachd, Tha’n gaisgeach treun fodh ghlais na h-uaigh A sheasadh leinn ri uair a’ ghleachd! Sar Albannach gun cheilg gun fhoill, Bu mhuirneach e mu’ cloinn ’s mu’ cliu, ’S bidh cuimhn’ ’us ainm an laoich le loinn, Mar dhaoimean lainnireach ’na crun. Gach buaidh’ tha uasal, maiseach, ard, Le eolas laidir agus glic; Bha sin le iriosleachd ’us gradh, Mar theaghlach blath a’ tamh fodh chrios. Gach solas do t-anam a thriath, Ruith thu gu sgiamhach glan do reis, Bu chliuiteach, taitneach, riamh do thriall, ’S tha sinne cianail as do dheigh! Chaidh dithis chloinne a losgadh gu bàs ann am baile beag an Cuibeic air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fhalbh am màthair a mach air cheann turuis, agus ’nuair a bha i air falbh chaidh an tigh na theine ’sa chlann a losgadh. Bha ’m paisde b’ òige bliadhna gu leth a dh’ aois, agus am fear eile coig bliadhna. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidui, C. B. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla na Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. [TD 345] [Vol. 3. No. 44. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 4, 1895. No. 44. An Righ agus an Sean Saighdear. Bha iomadh duime calma ann an cogadh a Phrionnsa ’sa bhliadhna 1745. B’ ann dhiu sin an Gàidheal smiorail air am beil an t-iomradh a leanas. Rugadh Pàdruig Grannd anns a’ bhliadhna 1714 agus chaochail e anns a’ bhiadhna 1824. Bha e mar sin 110 bliadhna dh’ aois aig am a bhàis. Bha e ’na dhuine ard deas agus fearail. Latha chuil-fhodair bha e air aithris gu’n do chuir e còrr us dusan de na saighdearan dearga ri talamh. ’Nuair bha e ceud us ochd bliadhna dh’ aois bha e air a thoirt an làthair righ Deòrsa IV ann an Duneideann. Seachdain no dha mu’n d’ fhalbh e gu Duneideann a dh’ fhaicinn an righ, thug an t-uasal Tighearna Panmore fanear deise aodaich a dheanamh dha anns an tigeadh e an làthair an righ. Ach snaim cha chuireadh Pàdruig uime de ’n deise ùir, ’s dh’ fhalbh e leis an deise a bha uime la Chùil-fhodair—còta tartain, fèille-beag, brògan bucallach agus bonaid Ghlinn-garaidh le ite iolaire na toiseach, agus spéc, seachd troidhean a dh’ fhad, ’na làimh. Ràinig e Duneideann gun tuisleadh air bith ’s e cho pròiseil ris an righ fhéin, mar robh an còrr. ’Nuair thug Tighearn Panmore an làthair an righ e dh’iarr e air a bhonaid a chur dheth. Ach cha deauadh e ni dheth leithid. An sin thuirt Panmore ris an righ ’s e tomhadh a chorraig ri Pàdruig, “Tha ’n duine so, le cead ’ur Mòrachd Righail, ceud agus ochd bliadhna dh’ aois, agus is e an t-aon nàmhaid a th’ aig ’ur Mòrach Rioghail an diugh beò air an talamh. ’Nuair bha e òg agus gòrach chog e an aghaidh righ Deorsa II sinn-seanair ur Morach Reoghail, lathe Chuil-fhodair. Ach tha e bho ’n uair sin na iochdran sitheil agus dileas. Ceud is àil leibh a dheanamh ris?” Thainig stad anns an righ mar gun gabhadh e seòrsa eagail ’nuair chunnaic e ’n duine àrd ud mu choinneamh le bhonaid air a cheann agus a mhaide mor na làimh us colg an t-saighdear air. Sheall an righ air anns an aodann agus ars esan:—“Am beil thu duilich gun robh thu cho gòrach ’s cho mi-dhìleas an laithean t-oige ’s gun chog thu leis a mhealltair.” ’Nuair chuala an Granndach a cheisd so las a shùil le corraich ’s e freagairt, “Air m’ fhacal, chogainn fathast air a thaobh. Cha bhi sibhse gu bràth coltach rl Pnonnsa Teàrlach.” Rinn an righ gàire agus, ars’ esan, “Air falbh e, air falbh e. Is reubalach e fathast. Thoilleadh e chur ro na musgaidean. Ach coma co dhiu, biodh leth cheud punnd ’sa bhliadhna aige uamsa fhad ’s is beò e.” ’Nuair chuala an sean laoch so thug e bhonaid dheth ’cheann, agus thug e taing, mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, do ’n righ air son a chaoimhneas da. Thachair so an 1822. Dà bhliadhna an deigh sud chaochail an sean saighdear agus bha e air adhlaiceadh an cladh Inbhircauld. Gu latha bhàis cha do dhealaich e ris an trusgan a bha uime ann an cogadh a’ Phrionnsa. C. C. Comunn Gaidhealach Lunnainn. Mar tha oidhche a’ cheilidh a tighinn mu ’n cuairt an deigh mios tha e furasda ’fhaicinn gu ’m beil an Comunn seo a fás an neart agus gu’m beil an càirdean a dol an lionmhoireachd gu luath. B’ e an ceilidh a bh’ aca air an t-seachduinn a chaidh seachad a’ choinneamh mu dheireadh de ’n t-seorsa ’chumas iad am bliadhna agus tha mi creidsinn gur e sin bu choireach gu ’n robh àireamh cho mor de na Gaidheil cruinn air an oidhche sin. Bha an t-Urramach N. MacNèill, L. L. D., anns a’ chaithir a deanamh dleasnas “fir an taighe” agus is math a chaidh sin leis. Thug e seachad òraid ghasda anns a’ Ghàidhlig, anns an d’ rinn e iomradh air bàs “fior Charaid nan Gaidheal” an t-Ollamh MacIlle-dhuibh. Mhol e gu mor an obair a tha ’n comunn a’ deanamh agus thubhairt e gu ’n robh e gle thoilichte gu ’n deach an cothrom seo a thoirt da air sealltuinn gu ’m b’ e a mhiann a bhi ’gan cuideachadh anns gach dòigh a bha ’na chomas. Na dheigh sin chaidh an oidhche chur seachad gu cridheil mar b’ àbhaist le òrain Gàidhlig, piobaireachd, agus dannsadh Gàidhealach. Tha ’n comunn air bheachd obair a’ gheamhraidh a thoirt gu crich le bhi cumail Coisir-chiùil Ghàidhlig air an naodhamh la de ’n ath mhios mar rinn iad an uiridh, Tha na Teachdairean Rioghail a bha a saoithreachadh air feadh na Gaidhealtachd o chionn da bhliadhna air suim an fhiosrachaidh a fhuair iad a chuir air beulthaobh na Parlamaid. Fhuair iad a mach gu ’m beil 1,782,785 acairean fearainn, a tha nise fodh fhéidh no fodh chaoraich, freagarrach gu bhi air àiteachadh, agus tha sinn anise feitheamh dh’ fheuchainn de ni a’ Phàrlamaid gu bhi toirt seilbh do n t-sluagh air an fhearann a bhuineadh do ’n aithrichean. CABAR-FEIDH. Bha Berry, an crochadair Sasunnach, a labhairt ann an Grimsby o chionn ghoirid, agus thuirt e gu’n d’ rinn e còrr us còig ceud crochadh fhad ’sa bha e anns an dreuchd, agus gu robh moran de na daoine truagha a chuir e gu bàs air an toirt dh’ ionnsaidh na croiche leis an òl. “Ach,” ars’ esan, “cha do chroch mi duine riamh nach robh ’beantail idir do stuth làidir.” Cha ’n urrainn do thuathanach leasachadh a’s fhearr na luath fiodha a chur air talamh. Cha’n eil seòrsa talamhainn air nach freagair i, agus cha dean i cron air bàrr sam bith. [TD 346] [Vol. 3. No. 44. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB XIV. B’ ann air taobh an iar Dhùn-nan-Gall, siorrachd a tha air fìor cheann a tuath na h-Eirionn, a bhristeadh an long. Thuig Seumas gur ann an Eirinn a bha e mu ’n d’ ràinig e tir; oir chuala e sgiobadh a’ bhàta a thug bhar an eilean e a’ labhairt Gàilig. Bha e o b’ aithne dha bruidhinn comasach air Gàilig a labhairt, agus ged a bha Ghàilig Eirionnach ùr dha, rachadh aige air cuid mhath dhi a thuigsinn. Cha do leig e air an toiseach gu robh aon fhacal Gàilig ’na cheann; oir bha toile aige fios fhaotainn co dhiubh a bha gus nach robh na h-Eirionnaich cho caoimheil air chùl a chinn ’s a bha iad ris ann an clàr an aodainn. An uair a bha e ’na ghiullan òg chuala e iomadh uair gu robh na h-Eirionnach dùbailt agus anabarrach duilich ri ’n tuigsinn. Fhuair am beachd so gréim làidir air an inntinn aige, agus ged a bha iad a nochdadh caoimhneis gu leòr dha, bha car de theagamh aige nach b’ ann le fìor dhùrachd an cridhe a bha iad cho caoimhneil ris. Ann am beagan làithean thuig e gu robh iad cho caoimhneil agus cho blàth-chridheach ri sluagh a’ b’ urrainn a bhith ann an àite sam bith. Cha robh ni air an saoileadh iad an robh feum aige nach tugadh iad dha gu toileach. Ged a bhiodh e ann am measg nan càirdean cho dìleas ’s a bh’ aige ann an dùthaich a bhreith is àraich cha b’ urrainn da bhith dad ni b’ fhearr dheth no bha e. Bha e air an aon bhòrd ris an tuathanach agus ri ’theaghlach fad nan deich latha a bha e anns an àite. Dh’ aithnich an tuathanach gu ’m bu duine òg, measail, fòghluimte a bh’ ann, agus air an aobhar sin thug e dha a h-uile urram a b’ urrainn da. Ach an uair a thuig e gu ’m b’ ann do dh’ Alba a bhuineadh e bha meas a bharrachd aige air. Aig an àm ud bha dàimh ni bu dlùithe eadar na h-Eirionnaich agus na h-Albannaich na tha eatorra aig an àm so. Dh’ eirich an dlùth dhàimh so ann an tomhas o ’n a ghràin a bh’ aca taobh air thaobh air na Sasunnaich. An uair a chuir Seumas roimhe falbh dhachaidh, thug an tuathanach dha deise mhath aodaich, ceann-aodach, caiseart, agus gach deisealachd eile a bha dhìth air, maille ri na phàigheadh a rathad de dh’ airgiod. Ghabh Seumas na nithean so uaithe gu toileach taingeil, ach b’ ann air chùmhnant gu ’n gabhadh a pàigheadh air a shon na dhéigh sin. B’e Baile-Doire an baile-puirt bu diùithe dhaibh. Thug an tuathanach litir do Sheumas, a shealladh e do mhuinntir nan taighean-òsda anns am biodh aige ri oidhche no dhà a chur seachad mu ’n ruigeadh e Baile-Doire. Thug e dha mar an ceudna litir a dh’ ionnsuidh duine uasail àraidh a bh’ anns a’ bhaile, a dh’ iarraidh air Seumas fhaicinn sàbhailte air bòrd a’ cheud bhàta a bhiodh a seòladh gu ruige Alba. Rinn na litrichean so feum mòr do Sheumas; oir bha ’n tuathanach ’na dhuine air an robh meas aig gach aon a fhuair eòlas air. Ged a bha ’n tuathanach còir so glé chaoimhneil ri Seumas a chionn gu ’m b’ Albannach measail, uasal a bh’ ann, cha robh an caoimhneas a bha e ’nochdadh de ’n ghille bhochd eile a shàbhaladh comhladh ri Seumas dad ni bu lugha. Cha robh anns a’ ghille bhochd so ach dilleachdan. Cha robh cadhon fios aige co ’n dùthaich do ’m buineadh ’athair no ’mhàthair. Is i chuimhne a b’ fhearr a bh’ aige air làithean oige, gu robh e ’deanamh beagan frithealaidh ann an taigh tuathanaich a bha dlùth air aon de na bailtean-puirt a tha air taobh an ear Shasuinn. B’ ann á taigh an tuathanaich so a dh’ fhalbh e an uair a ghabh e fasdadh mar ghille-bùird aig sgiobair na Dubh-ghleannaich. An uair a chuala an tuathanach gur dilleachdan a bh’ ann bha e toileach a chumail ’na sheirbhis fhein, agus ceartas bidh is aodaich is tuarasdail fhaicinn aige fhad ’sa thogradh e fuireach ’na sheirbhis. Ach cha robh an gille bochd toileach dealachadh ri Seumas agus cha mhò na sin a bha Seumas toileach dealachadh ris a’ ghille. Bha Seumas gle chaoimhneil ris an uair a bha iad comhladh ’san luing. Bhiodh an sgiobair ’ga chaineadh ’s ’g a smàdadh mur biodh an càbin agus gach ni a bha ’n taobh a staigh dhe ann an deadh òrdugh aig gach àm. Ged a bha ’n gille bochd a’ deanamh mar a b’ fhearr a b’ aithne dha, cha riaraicheadh e an sgiobair ach ainneamh. Bhiodh Seumas ’g a chuideachadh cho tric ’s a dh’ fhaodadh e agas ag innseadh dha mar bu chòir dha am biadh a chur air a’ bhòrd. Bhiodh e mar an ceudna a’ toirt chomhairlean matha air, agus ag innseadh naigheachdan dha mu Dhia, agus mu na daoine matha air am bheil iomradh againn anns a’ Bhiobull. O ’n a bha meas mòr aige air Seumas bha meas aige air na comhairlean a bha e ’toirt air, anns air na naigheachdan a bha e ’g innseadh dha. O ’n a b’ e Seumas an aon neach a nochd caoimhneas riamh dha, cho fad ’s a b’ fhiosrach e, bha e suidhichte gu ’n dlùth-leanadh e ris ge b’ e taobh a rachadh e. Dh’ innis e so do Sheumas, agus thuirt Seumas ris, nach cuireadh esan cùl ris ri bheò, ni ’s lugha na dheanadh e olc mòrair. An uair a chuala e so bha e cho sona ’s a bha ’n latha cho fad. Latha no dhà mu ’n d’ fhalbh Seumas á taigh an tuathanaich sgrìobh e litir gu ’mhàthair, agus dh’ innis e, ann am briathran cho aithghearr ’s a b’ urrainn da, mar a thugadh air falbh a dh’ aindeoin e; mar a bha an long air a tonn-luasgadh fad àireamh làithean gus mu dheireadh an do bhristeadh air a chladach i; mar a fhuair e gabhail aige cho math ann an taigh an tuathanaich Eirionnaich; agus gu faodadh sùil a bhith aca ris dhachaidh beò, slàn ann an ùine ghoirid. Bha ’n litir gu math dùmhail; oir bha toil aig Seumas a mhàthair a thoileachadh le litir fhada a chur uice mar is minic a rinn e. Cha robh litrichean ’s an àm ud air an giùlan cho sàbhailte o àite gu gu àite ’s a tha iad a nis. Agus a bharrachd air sin, bha sia sgillinn ri phàigheadh air son litrichean a thigeadh á Eirinn no à Sasunn gu ruige Alba. Gu math tric bha litrichean a bhiodh mòr, no trom, no dùmhail air am fosgladh gun fhios, an dùil gu ’m biodh airgiod annta, agus air an tilgeadh anns an teine. Is dòcha gur ann mar so a dh’ éirich do litir Sheumas; oir cha d’ ràinig i riamh Taigh na Coille. Bha Seumais, mar a bha nàdurra dha, a’ toirt air fhein a chreidsinn gu ’m biodh fios aig a’ mhàthair ’s aig ’athair ’s aig a pheathraichean gu robh e beò, slàn agus air an t-slighe dhachaidh ann an ceann beagan làithean an déigh dha sgrìobhadh. Bha so a’ toirt toileachaidh dha chridhe ’s dha ’inntinn; oir bha am bròn agus am bristeadh cridhe, a bha e cinnteach a bh’ air ’athair a mhàthair ’s air a chuid [TD 347] [Vol. 3. No. 44. p. 3] eile de ’n teaghlach, a’ cur barrachd dragha air na na trioblaidean troma troimh an robh e ’dol riamh o ’n latha ’s an d’ thugadh a dh’ aindeoin air bòrd e. Gu math moch air madainn Dimairt rinn an tuathanach deiseil an carbad, agus d’ fhalbh e a chur Sheumais agus a chompanaich pìos math de ’n rathud. O nach robh an rathad aon chuid réidh no comhnard cha do chuir iad uiread a dh’ astar nan déigh ’s a bha dùil aig Seumas an àm dhaibh falbh ’s a’ mhaduinn. Cha ’n ’eil teagamh nach robh Seumas a’ gabhail fadachd de ’n rathad; oir cha ’n fhaca e riamh roimhe a leithid de bhogaichean ’s de lochanan ’s de dh’ aimhnichean ’s de mhonaidhean àrda. A chum an ùine a chur seachad cho math ’s a ghàbhadh deanamh, bha ’n tuathanach ag innseadh mòran naigheachdan mu na sìthichean a bhiodh daoine ’faicinn anns gach àite troimh robh iad a’ siubhal, agus mu iomadh gnìomh agus euchd iongantach a rinneadh anns a chuid ud a dh’ Eirinn o chionn fad an t-saoghail. Cha robh Seumas a’ gabhail a bheag sam bith de shuim de na naigheachdan faoine ud; ach air eagal gu ’n cuireadh e mialachd air an tuathanach chòir, a bha a réir choltais a’ toirt làn chreideas do gach naigheachd a bha e fhein ag aithris, bha Seumas a’ leigeil air gu robh e creidsinn a h-uile facal dhiubh. Bha greis mhath de’n oidhche air a dhol seachad mu ’n d’ ràinig iad an taigh-òsda anns an robh iad gus an oidhche a chur seachad. Bha muinntir an taigh gu léir glé eòlach air an tuathanach; oir cha deachaidh e riamh air thurus do Bhaile-Doire gun oidhche a chur seachad maille riutha air ’fhalbh ’s air a thilleadh. Bha e ’na dhuine còir, aoidheil, làn de sheann naigheachdan. Ged a bha e glé ghlic cùramach mu gach ni a bhuineadh dha, bha e còir, fialaidh gu leòr an uair a biodh e air falbh o ’n taigh air thurus. Ged nach cualas riamh gu ’n d’ rinn e ana-caitheamh air a chuid airgid ann an àite sam bith, cha mhò na sin a chualas neach ag radh gu robh e mosach no spìocach. Ann an ùine ghoirid dheasaicheadh suipeir mhath bhlàth dhaibh, agus an uair a ghabh iad i. dh’ innis an tuathanach a dh’ fhear an taighe gur ann a dh’ Alba a bhuineadh an duine uasal òg a bha maille ris, agus gu ’m b’ e aon de ’n dithis a shàbhalabh de na bh’ air an luing a bhristeadh air na Sgeirean Dearga beagan làithean roimhe sin, agus gu ’m b’ e am balach òg an aon eile. An uair a thug iad greis air comhradh mu chaochladh nithean ghabh iad mu thàmh. Gu math moch ’s a mhaduinn dh’ éirich iad, agus an déigh dhaibh am biadh maidne a ghabhàil, thug Seumas agus a chompanach an aghaidh air an t-slighe gu Baile-Doire. Chaidh an tuathanach còir céum de ’n rathad maille riutha. Dh’ innis e dhaibh mu ’n t-slighe agus far am bu chòir dhaibh an oidhche a chur seachad. An uair a bha iad a’ dealachadh thug Seumas mìle tàing dha air son a chaoimhneis a nochd e dha, agus thuirt e gu ’n tigeadh e, nam biodh e beò, a dh’ aon ghnothach g’a fhaicinn mu ’n tigeadh ceann na bliadhna. Thill an tuathanach dhachaidh an latha sin fhein ’s e taingeil gu ’n deachaidh aige air caoimhneas a nochdadh do dhaoine bochda a bha ’nan eiginn. Lean Seumas agus a chompanach rompa. Choisich iad anabarrach math, agus ràinig iad an taigh anns an robh iad gus an oidhche chur seachad beagan an déigh do ’n oidhche tuiteam. (Ri leantuinn.) Mu Bhlar na Dunach. Bha na Gaidheil bho shean cleachdta ri da latha sonruichte anns gach bliadhna a ghleidheadh mar laithean feille. B’ iad sin latha na Nollaige moire agus latha na Nollaige bige. Bha oidhche na Nollaige bige air a gleidheadh ’n a h-oidhche ro-shonruichte, agus air a h-ainmeachadh “Oidhche Chollainn” anns an robh a h-uile fear agus bean, fleasgach og agus gruagach air an cruinneachadh aig fleagh am measg an cairdean agus an coimhearsnaich, agus bha an cruinneachadh so air a dheanamh le mor-ghreadhnachas, chairdeas agus fhiughantas anns an doigh a leanas. Bha caora no mult air ’fheannadh le feannadh-builg airson fleagh na Collainn. Bha crioman beag de ’n chraicionn air ’fhagail gun fheannadh air uchd a’ bheathaich agus an deigh sin air a thabhairt a nach gu glan agus air ainneachadh “Caisaan Collain.” Bha an Caisean Collainn an sin air a ghiulan le muinntir na Collainn; bha gach fear agus fleasgach aig uair shonruichte de ’n oidhche a’ cruinneachadh comhla agus a’ falbh a dh-ionnsaidh tighean an cairdean agus an coimhearsnaich. Dh’ fheumadh a’ chuideachd uile dol deiseal tri uairean timchioll an tighe, gach fear le lorg ’n a lamh agus ag aithris an rainn so a leanas, mar a bha e ’dol air aghart a’ cuairteachadh an tighe—aig a cheart am a’ slachdadh ballachan an tighe leis an lorg a bha ’n a lamh; “Chollainn, a bhuilg bhuidhe, bhoicinn buail an craicionn air an totadh. Cailleach ’s a’ chuil—cailleach ’s a’ chill—cailleach eile ’n ceann an teine; bior ’n a da shuil; bior ’n a goile: Eirich agus fosgail dhuinn.” Bha gach fear an sin ri rann a ghabhail ag an dorus m’ am fosgailear dha e. Is e so aon de na rannaibh: “Eirich thusa ’bhean choir, ’S a bhean og a choisinn cliu; Liobhair thusa ’Chollainn uait Mar bu dual dhuit a thoirt dhuinn. A’ mhulchag air am bheil an aghaidh reidh, ’S am fear nach do bheum suil; ’S mar ’eil sin deas ad choir, Foghnaidh aran ’s feoil dhuinn.” Bha an dorus an sin air ’fhosgladh le greadhnachas agus fiughantas nach bu bheag; bha an Caisean Collain an sin air a thabhairt air bonn agus prabadh dathaidh air a thabhairt air anns an teine agus air a thabhairt do ’n mhnaoi a bu shine bha ’s an tigh. Chuireadh ise ri ’sroin an Caisean leth dhaite agus rachadh a chur m’ an cuairt air na bha ’s an tigh. Bha bord na cuirme an sin air a chuairteachadh le muinntir na Collain; bha rogha gach bidh agus dibhe air a’ bhord agus bha cairdeas, greadhnachas agus toil-inntinn ri ’m faicinn am measg na cuideachd. A reir a’ chleachdaidh so dh’ fhalbh tuath Mhic-Ionmhuinn, tighearna Mhisnis a bha ’chomhnuidh ’s an am sin ’s an Eiridh, baile a tha beagan tuath air Tobar-mhuire, air Chollainn gu Mac-ìlleathain, tighearna Thorloisg agus thainig tuath fear Thorloisg gu Mac- Air leantuinn air Taobh 7. [TD 348] [Vol. 3. No. 44. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 4, 1895. Tha Breatuinn an deigh Nicaragua a thoirt fo chis. ’Nuair a dhiult i an t-airgiod a phàigheadh ’sa bha ’n ùine suas, chaidh soitheach-cogaidh no dha de Chàbhlach Bhreatuinn a stigh do dh’ acarsaid Chorinto, ceann bhaile na duthcha, agus ghabh iad seilbh air a bhaile. Cha do chuir duine grabadh no tilleadh orra. Tha Nicaragua a nise deònach am t-airgnod a phàigheadh ma gheibh i beagan dàil, agus cha’n eil teagamh nach fhaigh i sin. Cha’n eil ann an Nicaragua ach dùthaich bheag, mu uiread Nova Scotia, Eilean a’ Phrionnsa, ’s Ceap Breatunn, na’m biodh iad air an cur cuideachd. ’S e ’n t-suim a tha Breatunn, ag iarraidh, tri fichead us coig deug mile dolair ($75,000.) Mar tha “Cabar-Feidh” ag innse ’na litir, tha na Teachdairean Rioghail, no ’n ard-chomhairle a bha air an cur a mach le Parlamaid Bhreatunn air son fiosrachadh fhaotainn a thaobh an robh no nach robh fearann fas air Gàidhealtachd na h-Alba a ghabhadh cur gu deagh fheum le tuath, air an obair a chriochnachadh, agus fhuair iad gu bheil, aig an àm so, glé fhaisg air dà mhuillein acaire fearainn fo chaoraich ’s fo fhéidh a tha air gach dòigh freagarrach air son a bhi air oibreachadh le tuath. Tha na croitearan agus na tuathanaich bheaga, ’s an càirdean a’ deanamh gàirdeachas mor ri so, agus cha’n ioghnadh e, oir roimhe so bha moran de na h-uachdarain ’s de’n càirdean ag ràdh gu follaiseach nach robh a bheag sam bith de dh’ fearann fàs a bha air dòigh air bith freagarrach air son tuathanachais. Tha e nise air a lan dhearbhadh nach eil sin fior, ’s cha’n eil teagamh nach eil an latha faisg air làimh anns am bi cothrom moran na’s fhearr air a thoirt do ’n t-sluagh bhochd air Gàidhealtachd na h-Alba na bh’ aca riamh roimhe. Tha e air a ràdh gu’n téid neart thar ceart, ach ged a theid, ’se ’n ceart a gheibh an làmh-an-uachdar air a’ cheann mu dheireadh. Litir as an t-Suain. A Charaid,—Tha mi le so cur mo dholair ’g ad ionnsaidh agus tha mi a’ guidhe a’ MAC-TALLA fhaotainn fad na bliadhna a tha tighinn. Mòran taing dhuit air son do phaipeir ghasda a fhuair mi gach seachdain gu tearuinte. Tha mi toilichte chluinntinn gu ’m bheil a’ MAC-TALLA dol air aghaidh agus gu ’m bheil a leughadairean fàs na ’s lionmhoire o bhliadhna gu bliadhna. Tha mi ’n dochas gu ’n dean càirdean na Gàidhlig an dichioll chum an t-aona phaipear a tha aca ’n an cainnt fhéin a chumail suas. Tha mòran ag ràdh an dràsd nach ’eil a’ Ghàidhlig slàn agus gu ’m faigh i bàs gu cinnteach ann beagan bliadhnaichean. Ach cha ’n ’eil sin fior idir. A réir coltais tha i cho slàn, fallain an diugh ris a bha i aig uair sam bith roimhe, dh’ aindeoin gach oidhearp a thug na Sassunnich chum a marbhadh. Tha i “cruaidh mar fraoch agus buan mar an darach” agus cha ’n fhuarasda a leigeil gu làr. Cho fad ’s a tha càirdean aice cho treun, dileas riut fhein cha ’n eagal dhi. Soirbheachadh math leat. Is mi do charaid dileas, RICHARD ELLIOT. Iadsan a Phaigh. Iain Caimbeal, Seana Bhridgeport. Domhnull D. Mac Isaic, Bai ’n Ear. Simon A. Gillios, Margaree, ($1.50) Niall Mac Amhlaidh, Hogamah, ($2.00) Iain Mac Ille-mhaoil, Bai ’n Ear. Domhnull Mac Cuidhein, Port Morien. D. F. Mac Aoidh, Tarbert, St. Ann’s. Domhnull Mac Ill-fhinnein, South Bar. Donnacha Mac Aoidh, Loch Ainslie, (50c) Tormad D. Mac Neill, Benacadie, (25c) Uilleam A. Moireastan, Sidni. Dotair Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Eobhan Mac Eobhain, Iàin Dughallach, Sowerby, Murcha Mac Gilleain, High Bank, P. E. I. Nial Caimbeal, Darlington, Dotair Mac Leoid, Spokane, Wash. F. A. Gemmel, Selkirk, Manitoba. Uilleam Friseal, Elgin, Ill. F. Mathanach, York Factory, Hudson’s Bay Richard Elliot, Gottenburg, Sweden. “N. Z. Tablet,” Dunedin, New Zealand. Calum Buchanan, Auckland, An t-Urr. Mac Laomuin, Grand Metis, $2.00 R. Domhnullach, Pleasant Bay, N. S. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-iomaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SYDNEY,—C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 349] [Vol. 3. No. 44. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha brògan us bòtainnean aig C. H. Harrington & Co. an dràsda a reiceas iad moran na’s saoire na’s abhaist dhaibh.—3i Thatar a’ deanamh deiseil air son marbhadh nan giomach cheana. Tha h-uile dùil aca gu’m bi barrachd air an glacadh am bliadhna na bha air an glacadh bliadhna fhathast. Chaochail fear a mhuinntir Mainadieu, Caiptean Muireach Domhnullach, ann an tigh-eiridinn am baile New York, o chionn ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh deireadh na seachdain s’a chaidh chum a bhi air adhlacadh. Cha robh e tinn ach ùine gle ghoirid. Tha cuid dhe na méinnean guail nach eil ri bheag a’s fhiach a dh’ obair fhathast. Tha cuid dhiubh a bha ’g obair gu math, fada roimh ’n àm so ’n uiridh, am bliadhna ’nan leth thàmh. Tha sinn an dòchas nach lean sin fada, oir ma leanas, bidh moran de’n luchd-oibreach air an droch chàradh. Chaidh nighean bheag le Mrs. Hain, a losgadh gu dona Di-luain s’a chaidh. Chaidh i a mach a chruinneachadh shliseagan, agus air dhi a bhi feuchan ri teine bheothachadh, ghabh a h-aodach teine. Mu’n d’ fhuaireadh an teine a chur as bha i air a lorgadh cho dona ’s nach eil a choltas oirre gu’m tig i uaithe. Tha iad a deanamh leasachadh mòr air na h-oibrichean aig a mhéinn ùir (Reserve) air an t-samhradh so, agus tha dùil aca mòran guail a thionndadh a mach mu’n dùin na h-acarsaidean toiseach a gheamhraidh. Rinn a mhéinn so barrachd guail a chur a mach an uiridh na rinn gin de chàch, ach a Mhèinn a Tuath a mhàin. Tha ’n amhach-ghoirt air bristeadh a mach a rithist. Tha ochdnar ’nan laidhe tinn leatha, dithis ann an tigh Eoseph Laphine, agus sianar ann an tigh Dhomhnuill L. Mhic Fhionghain. Chaochail bean Eoseph Laphine leatha. Tha sinn an dòchas gu faigh na dotairean stad a chur air an droch euslaint so ma’s sgaoil i air feadh a’ bhaile. Bha Gilleasbuig Mac Fherghais, a tha fuireach air Caribou Marsh, a leagail coille Di-sathairne s’a chaidh agus air dha craobh a leagail, fhuair e innte nead Colmain-coille, agus tri uidhean ann. Cha robh an t-ian faisg air làimh aig an àm, agus dé rinn e ach an nead a chur ann an craoibh eile. Chaidh e ’n sin dhachaidh gu ’dhinnear, agus ’n uair a thill e, bha ’n t-ian air an nead, mar nach rachadh a charuchadh as an áite san d’fhàg e e. Tha boirionnach ann an cearna de Chuibeic, aois leth-cheud bliadhna, agus an deigh dhi a bhi pòsda fichead bliadhna, dh’fhàg i a fear ’sa cuid cloinne, ’s theich i le sgaomaire de dhuin’ òg a thàinig an rathad. An ceann beagan ùine chuir am fear sin cùl rithe, agus a nise tha ’n t-aithreach oirre nach do dh’ fhuirich i aig an tigh. Tha i ’g iarraidh mathanais air a fear, agus tha àn dhóchas aice gu’n gabh e rithe, dh’aindeoin cho dona ’sa dhéilig i ris. Tha ’m buntàta ’s an coirce gu math daor ann an Eilean a Phrionnsa air an earrach so, cho daor ’s nach eil a choltas air gu’m bi a bheag sam bith air a chur air falbh a dh’ àiteachan eile. Tha ’n acarsaid a nise fosgailte, agus tha ’m bàt-aiseig a’ ruith air na cuairtean àbhaisteach o chionn seachdain. Cha d’ thàinig an deigh mhor a stigh fhathast, ’s cha ’n eil iarraidh oirre, ach tha iad ag ràdh gu bheil meall mor dhi a muigh mu na cladaichean. Cha tig mòran blàiths ann fhad sa bhios i faisg orinn. Chaidh factoridh tombaca na teine ann am Montreal, seachdain romh ’n Diordaoin s’a chaidh. Bha mu maoi ceud gu leth ag obair aig an àm, agus cha robh dòigh air teicheadh. B’ fheudar uinneag a bhristeadh a mach, agus chaidh moran a ghoirteachadh a’ dol a mach oirre. Tha feadhain dhiu air chall fhathast, agus chaochail ceathrar no choignear dhe na chaidh a ghoirteachadh. Tha bruidhinn air gu bheil an rathad iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove gu tòiseachadh an ùine ghoirid. Bha dùil ris o chionn fhada, ach bha dàil air a chur ann o am gu àm, ach tha e car coltach gu bheil iad air an turus so a’ dol ’ga chur air adhart. Bi ’n obair air an rathad ’na chuideachadh mor do mhuinntir na dùthcha, oir tha ’n t-airgiod glé ghann aig a cheart àm. Chaidh tigh-bòrdaidh ’na theine ann an Kamloops, B. C., an la roimhe, agus bha dithis dhaoine, Alasdair Mac Fhearghais, agus Eoseph Moore, air an losgadh gu bàs. Tha cuid a’ deanamh dheth gu ’m b’ ann a mhuinntir Cheap Breatunn a bha iad. Tha gu leòr dhe’n dà ainm ann an Ceap Breatunn. Bha àireamh de dhaoin’ eile anns an tigh aig an àm ach fhuair iad as le m’ beatha. Chaidh gille d’an ainm Uisdean Dòmhnullach, aois cheithir bliadhn’ deug, a ghoirteachadh gu dona ann am Mèinn Victoria Di-sathairne s’a chaidh. Bha e ’na sheasamh aig fear dhe na dorsan anns a’ mheinn, agus thainig dha no tri charbadan le roid ’s bhuail iad anns an dorus. Bha ’n gille air a ghoirteachadh ’sa cheann, agus cha d’ thainig e gu thùr fhéin gu feasgar Di-luain. Bha eagal orra nach rachadh e am feabhas idir, ach tha choltas air a nise gu’n teid e na’s fhearr. Tha Iain Rothach, a’ sgriobhadh ugainn á New Zealand, ag innse gu’n do chaochail ann an Kaurihohori, air an dàrna latha dhe’n Mhàrt, Uilleam Domhnullach, ceithir fichead bliadhna ’sa seaehd deug a dh’ aois. Chaidh e do’n dùthaich sin á Gleann St. Ann’s air a “Ghertrude” ’sa bhliadhna 1856. Bha de theaghlach aige triuir nighean agus coignear ghillean. Tha iad uile gle chothromach. Rugadh e ann an Asainnt mu thuath, agus thainig e fhéin agus dithis de ’bhràithrean, Rob agus Ruairidh gu St. Ann’s agus thog iad fearann anns a’ ghleann. Chaidh e an deigh sin gu New Zealand, far an robh e gu math air a dhóigh agus fo dheagh chliù aig na h-uile. Bidh litir Iain Rothaich anns a’ phaipear air an t-seachdain s’a tighinn. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Minard’s Liniment air son Loine. Bhathar dhe gach seòrsa ’s fhearr agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. [TD 350] [Vol. 3. No. 44. p. 6] LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG. AM BARD SGIATHANACH. (Air leantuinn.) An àm da a bhi mu thri bliadhna fichead a dh-aois, phos e Fionnaghal Chaimbeul, nighean Fir Rannda ’s an Eilean Earrach, boirionnach maiseach agus eireachdail. Air da a bhi ro dheigheil air Eilean a bhreith, ghabh e air mal o ’Cheann-cinnidh fein fearann Bhreacais maille ri eilean Phabaidh, ann an sgireachd an t-Sratha. Re beagan bhliadhnaichean an deigh sin shealbhaich e mor thoilinntinn ’s an tuathanachas so, maille r’a bhan-chompanach cheanalta fein; agus an uair a rinn ise, mar a cheile-san, a dleas’nas fein anns gach cuis, cha do chuir riamh fear cas ann am broig a bha ni bu dillse agus dleasnachail mar fhear-posda, agus mar athair teaghlaich, na bha esan. Ach mo thruaigh! luaineach mar a ta grch toilinntinn thalmhaidh, cha b’ fhad gus an d’ thainig crioch air mor-shonas an deagh dhuine so. Chaochail a cheile ionmhuinn ann am maise a h-oige agus a neirt, agus air do mhor-speis a bhi aige san d’ a mhnaoi ghradhaich fein, ghrad bhuaileadh e le buille air nach d’ fhuair e riamh thairis. Chaill e a mhisneach gu tur. Ghabh e grain air an aite far an do shealbhaich e re uine ghoirid toilinntinn agus sonas co mor. agus chuir e dheth an tuathanachas air fad. Thainig duibhre air inntinn an fhilidh, agus cha b’ urrainn e a shuil a thilgeadh air ni sam bith a bheireadh solas d’ a chridhe. Chuir e cul ris an Eilean Sgiathanach air ball, thug e Ceanntail air, agus ghabh e seilbh fearainn an sin o Mhac-Coinnich. Cha b’ fhad gus am fac e atharrachadh mor eadar muinntir Chinntail agus a chuideachd chairdeil fein Clann-Ionmhuinn an t-Sratha. Bha na cleachdannan agus na doighean aig na coimhearsnaich ura uige co anabarrach fuar, ascaoin, coimheach, agus neo ghineadail ’s nach b’ urrainn e cur suas leo. Bha iad air gach seol co tur neo-chaomhail ’n an gne, ’s nach robh e ’n a chomas gride na bardachd ’n a chridhe a chumail fo smachd. Uime sin, rinn e na h-uiread de rannaibh sgaiteach, beumach, agus eisgeil an aghaidh muinntir Chinntaile, agus choisinn sin da gu h-ealamh am mi-ghean agus an corruich. Tharmaich iad ’n an cridhe fein fuath agus gamhlas do ’n Sgiathanach aonaranach agus cha robh fior charaid aige no neach ris am fosgladh e ’inntinn fein ’s an duthaich sin air fad. Chuir e seachad ceithir bliadhna air an doigh so, anns nach robh aon la sonais aige, agus an sin runaich e dol air ais dh’ ionnsuidh sgireachd a bhreith. Rinn an Ceann-cinnidh aige solas mor ris, agus shuidhich se e a ris ’n a sheann thuathanachas fein ann am Breacais. An deigh dha a bhi da bhliadhna dheug ’n a bhantrach, chaidh e air turas dh’ ionnsuidh baile Inbhirnis a dh-amharc air seann chompanaich a bha ’s an sgoil maille ris, agus a bha fantuinn ’s a’ bhaile sin. Cha robh e fad an sin, an uair a cho-eignich a chairdean e chum bean-uasal araidh ’s a’ bhaile a phosadh. Bu bhantrach i de Chloinn-an-Toisich, agus bha ’n t-ainm gu ’n robh i saibhir. Thug e geill d’ an comhairle, ach cha b’ ann gu buileach le ’thoil fein. Cha ’n e mhain gu ’n robh Nic-an-Toisich gun sgillinn ruadh aice dhe ’n t-saoghal, ach bha i gu domhain an am fiachaibh. Air an ath mhaduinn an deigh a’ phosaidh, thaoghail na maoir air, agus thug iad dha gairm laghail gu cuirt a sheasamh air son cuid fiach na mna aige. Bu chruaidh sin uile air Lachlunn coir, a dh’ fheudadh a radh, “An d’ fhuair sibh mi, O mo naimhdean?” An uair a bha ’n sumain ’n a laimh, ghlac e peann, dh’ fhosgail e Biobull a mhna, agus sgriobh e na briathra a leanas air clar an leabhair naoimh:— “Tha ’n saoghal air a roinn, Tha dà dhàn ann; Tha dán ann gu bhi sona, Ach chi mi dàn an donais ann.” Cha luaith’ a rinneadh am posadh truagh agus mi-fhortanach so na theich sonas Thearlaich, agus dh’ fhagadh e ’n a dhuine gun sunnd, gun mhisnich, gun chridhe chum ni sam bith a dheanamh mar a b’ abhaist da. Bha a’ bhean ardanach, uaibhreach, crosda, agus a’ sealltuinn oirre fein mar stuth moran ni’s fearr na companach fein. Mar mhuime, bha i searbh, dalma, coimheach, agus ro chruaidh air a’ chloinn aigesan, a chaill am mathair chaomhail fein. Bhiodh i an comhnuidh ’g an smachdachadh gun aobhar, ’g am bualadh ’s ’g an ciobadh roimh shuilean an athar fein aig nach robh a’ chridhe a bheul fhosgladh. Bha so uile anabarrach cruaidh air a’ bhard bhochd, agus cha robh aon mhionaid sithe no suaimhneis ’n a thigh, o’n la sin air an deachaidh ise a stigh air an starsnaich aige. Air la sonraichte chuir a’ bhean thuaireapach so gu searbh a mach air an nighinn bu shine aig a companach fein, agus thubhairt i ris a’ chaileig gu ’n robh grain cridhe aic’ oirre, agus gu ’m bu dubh dhi-se an la sin, air an do chomhlaich i an toiseach gu moch ’s a’ mhaduinn i. Ghrad fhreagair a’ chaileag a muime, agus gu ’n teagamh le beagan de gheur-bhriathrachd a h-athar fein, thubhairt i rithe, “Cha ’n ioghnadh leam ged a theireadh tu gu ’m bheil fuath agad domhsa agus tha moran aobhar agad a chreidsinn gu ’m bheil e mi-shealbhach mise a chomhlachadh, oir bu mhise ceud chomhlaiche m’ athar thruaigh air a’ mhaduinn mhi-shuaimhnich sin air an d’ fhag se a dhachaidh fein chum thusa a phosadh.” Rinn Lachlunn dichioll air giulan mar a dh’fheudadh e leis gach amhghar agus trioblaid a thainig air, ach bha a spiorad briste, agus chaill e moran dhe ’n t-suilbhireachd-inntinn a bha aige a thaobh naduir. An deigh sin uile, bu duine e air an robh mor-mheas aig gach ard agus iosal; agus ged is fad an uine o’n dh’ fhag e an saoghal, tha deagh chuimhne air fathast ann an duthaich a’ bhreith; agus is iomadh linn a theid seachad mu ’n di-chuimhnichear Lachlunn Mac Thearlaich Oig, le ’chinnidh agus le ’chairdibh ’s an Eilean Sgiathanach. (Ri leantuinn.) ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig. [TD 351] [Vol. 3. No. 44. p. 7] Air leantnind o Taobfl 3, Ionmhuinn. Rinn Macilleathain fiughantas agus suilbhearachd nach bu bheag a nochdadh do chuideachd Mhic-Ionnmhuinn; thg e dhoibh rogha gach bidh agus dibhe agus cunntas sonruichte de chrodh a bheireadh iad leotha aig àm pillidh. Cha d’ fhuair tuath Mhic-illeathain bho Mhac-Ionmhuinn ach a mhain na dh’ ol iad. An uair a bha an da chuideachd a’ pilleadh, choinnich iad ann an gleann a tha eadar Darbhaig agus Tobar-mhuire, troimh am bheil abhuinn a’ ruith bho dheas gu tuath ris an abrar, “Abhuinn-tuil-Ghall.” Ri taobh na h-aibhne so thoisich an tabaid—cuideachd Mhic-illeathain a’ tilleadh a’ chruigh a fhuair tuath Mhic-Ionmuinn. Anns a bhlar so mharbhadh seachd fichead Mac-Mhoirein de nach d’ thugadh fiasag. Is e ainm a’ bhlair, “Blar-na-dunach.” Minard’s Liniment a’s fhearr. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidui, C. B. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 352] [Vol. 3. No. 44. p. 8] D. J. DOMHNULLACH. Tha pris an Anairt air tuiteam agus tha sinn a’ creic Anart geal us buidhe a bha roimhe so eadar 8c us 14c, eadar 6c us 10c. ’S ann againn a gheibhear Am Bathar a’s fhearr ’s a’s Saoire. Tha sinn a creic nan Lamhannan a’s fhearr a tha ’n Canada, agus na Brogan a’s fhearr a thatar a’ deanamh ’am Montreal ’s an Amherst. Deiseachan Deante eadar $3.25, ’us $13.00. Deiseachan air $6.00 us $7.00, air an deanamh cho math ’sa dheanadh tailllear iad. Adan dhe gach seorsa ’s fhearr a tha iad a’ deanamh ann an Sasuinn ’s anns na Staitean. Faighnich de neach sam bith a cheannaich dad uainn, agus chi thu gu bheil iad lan riaraichte. Taghail againn agus faic gach seorsa th’ againn ri chreic. WENTWORTH HOUSE, Sidni, C. B. Bas Shenacherib. Mar mhadadh a chromas gu moch air a’ chrò, Craos-fhosgailteach, fad-fhiaclach, geurìneach, beò; Mar sid rinn àrd-cheannard Assyria ’teachd, Ann am purpur ’s an òr uile-còmhdaicht’ bha ’fheachd. Mar bhoillsge reult oidhche air muir Ghalilì Bha dealan an lannan a lean e mar Rìgh. Mar dhuilleach na coille ’s an samhradh ’n a àird, ’S an fheasgar cho lionmhor bha armailt nan sàr; Mar dhuilleach na coille ’sam foghar air triall. Bha armailt nan treun ’n uair a dh-éirich a’ ghrian! Oir dh’imich an Bàs ann an carbad na gaoith’ ’S dol seachad thug ’anail dhoibh galar ’us gaoid, Iad uile ’n an sìneadh ’an snan-chadal trom, Bhuin an t-aog do na seòid, ’s cha robh deò ann an com; Gun ghluasad ’n a shìneadh ’an sid air an fheur Bha ’n steud-each a b’ uallaiche gluasad an dé. Bha ’chuinean cruin, fosgailte, dearg, ach ma bha, Dh’ fhalbh anail na misnich ’s na sitrich gu bràth, ’S bha cobhar a’ chruaidh-ghleachd mu ’n cuairt air gach taobh, Mar chop-geal nan stuadh air an sguaba’ le gaoith. Bha ’mercach ’n a shìneadh ’an sìor-chadal fuar, ’Armachd air mairgeadh ’s an dealt air a ghruaidh. Na pàilleanan sámhach, gun ghàire, gun cheòl, ’S na brataichean uile gun duine ’n an còir, Na lannan caol, dìreach ’n an sìneadh ’s an fheur, ’S na trompaidean árd-ghu’ach sàmhach, gun gheum; Tha bantraichean Asuir ri coranaich àrd, ’S gu sìorruidh fo mhi-chliù tha Iodhalan Bhàail; Gun chòmhrag ’s gun iomairt tha ’n Cinneach ’us ’fheachd Ann am fianuis ’ur Dia-ne air leaghadh mar shneachd! —“BUN-LOCHABAR.” ’sa Ghaidheal. Tha àireamh mhòr de luchd-gabhail a phaipeir nach do phàeigh fhathast air son na bliadhna so ged a tha i nise gle fhaisg air a bhi seachad. Bu chòir dhaibh sin cuimhneachadh oirnn. Tha fhios againn nach eil dùil aig aon dhiubh ar cur as ar cuid fhéin, ach tha cion an airgid bu chòir a bhi againn, ’gar cumail glé dhripeil. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a mhios so, agus mur faigh sinn ar cuid fhéin cha teid againn air a dheanamh. Tha sinn duilich gu bheil againn ri bhi toirt iomradh air so cho tric, ach cha’n eil àrach againn air. Cuir Minard’s Liniment ri d’ fhalt. Tha mi creidsinn gu leighis MINARD’S LINIMENT Amhach Ghoirt Riondald, MRS. REUBEN BAKER Tha mi creidsinn gu’n toir MINARD’S LINIMENT air falt fàs. MRS. CHAS. ANDERSON. Stanley, P. E. I. Tha mi creidsinn gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn. METHIAS FOLEY, Oll City, Ont. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co, Mai 4, ’95. [TD 353] [Vol. 3. No. 45. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 11, 1895. No. 45. Litir a St. Ann’s. Fhir-deasaichidh Ionmhuinn.—Is fhada bho nach fhaca mi guth de naigheachd anns a Mhac-Talla as a chearn so d’ an dùthaich. Cha n-eil teagamh nach eil gu leòr anns an àite ’s fhearr a sgriobhas Gàilig na mise—us cha mhor rud daibh—ged tha mi gabhail orm fhin beagan fhacal a chur g’ar n-ionnsuidh aig an àm so. Ach mar bha Leòdhasach bochd ag ràdh la us e cur nam both dheth ri ruamhar air do dhuin’ eile thighinn a rathad, thuirt e ris, “cha n’ eil duil’ am fhin a dhuine gu ’m beil ceap air do chas-chrom,” “ciod a mhic, an difir,” ars’ esan, “ceap orra na dhith ma ni i ruamhar.” Agus mar sin theid mi air ’m adhart toirt duibh beagan cunntais air mar tha cuisean dol air aghaidh nar mesg aig an àm so. Tha an t-earrach mor, fadalach bha againn nis gus bhi seachad. Bha daoine an dùil leis cho anabarrach stoirmeil ’sa bha an t-earrach gum biodh Bealltuinn thràth ann, ach cha n-ann ris a sin tha chùis coltach. Bha stoirm mhor againn air leith a mhios ann an so faisg air bhi cho trom ri gin thainig fad an earraich. Ach ged tha ’n t-side stiormeil us na roidean dona, cha n-eil aobhair ghearain aig daoine an taobh so, oir cha n-eil mi cluinntin dad do thinneasan bhi na measg, agus cha n-eil biadh aon chuid gann orra fhein na air spréidhe. Na ’m biodh biadh spréidhe cho gann ’sa hha e an uiridh anns an àite so, bhitheadh e gu math duilich do dhaoine thoirt dhachaidh le olcas nan ròidean. Cha n-eil teagamh nach eil cuid ann a bhios gann gu leòr leis cho fadalach ’sa tha an t-eaarach, ach tha feadhinn eile ann a dh’ fhaodas rud a reic, agus tha e mar sin soirbh gu leòr fiar us fodar fhaotainn gun dhol astar fada air falbh. Bha réis each gus a bhith aca air deigh na h-acarsaid so o chionn ghoirid, ach cha robh an doigh freagarrach, agus chaidh a chùis nan aghaidh. As a cheud dol a’ mach bhrist fear do na h-eich bu luathe bh’ ann troi an deigh, agus chaidh an driver truimeach air h-errach a’ mach air clagainn an eich, agus cha mhor nach deach iad le chèile bhar na h-amhaich. Chuir sin stad air a ghnothuch. Tha an deigh gu math làidir air an acarrsaid fhathast, agus tha h-uile coltas gur e samhradh a chi a mach á caolas i. Tha càirdean Iain Rothaich chòir glé thoilichte air bhi faicinn litrichean uaithe an dràsda us rithist anns a’ Mhac-Talla, ’toirt cunntais daibh air an luchd eòlais dh’ fhalbh as an àite so do New Zealand. Ged tha fasg air da fhichead bliadhna o ’n dh’ fhàg Iain Rothach St. Anns, tha e coltach nach do chaill e Ghàilig fhathast. DONNACHA DONN. St. Ann’s, April 18, ’95. Litir a Plymouth. A dheagh charaid:—Cha b’e cion an dolair no cion deagh rùn dhuit a bu choireach mi bhi cho fadalach ’na chur ugad. Cha’n eil annam ach an droch sgriobhadair Gàilig agus ged a bha toil agam litir a sgriobhadh g’ ad ionnsuidh, bha mi car fadalach uime. Ach theid agam air Gàilig a leughadh math gu leòr, ged nach téid agam air a sgriobhadh ro mhath. Tha tiomannan gu math cruaidh anns na Stàitean air a’ gheamhradh so, ged nach eil aobhair ghearain sam bith againn an so. Tha sinn ag obair na h-uile latha agus tha dochas againn gu’m bi an samhradh gu math na’s fhearr. Tha mise ’g obair ann an factoridh ròp. Chaidh a cur suas o chionn tri fichead bliadhna ’sa deich, agus tha i air obair a shamhradh ’sa gheamhradh uaithe sin. Tha mu chòig ceud duine ag obair innte, cuid dhiubh dh’ e gach cinneach fò’n ghréinn. Tha iad ann as gach dùthaich ’san Roinn Eorpa. Tha pròis mhor orm gur h-e Gàidheal a tha ’n a fhear-amhare-thairis orra uile, agus is duine e d’ an aithne ’ghnothach cuideachd. Tha obair mhor a’ dol air adhart anns an fhactoridh. Tha i seachd ceud deug troidh a dh’ fhad, agus eadar leth-cheud us tri fichead troidh a leud. Gheibh thu ròp sam bith a bhios uat ann, ann am fad no an gairbhead sam birh. Chunnaic mi-fhin càpull mor a rinneadh mu’n àm so ’n uirridh, a bha da cheud us deich aitheamh a dh’ fhad, agus còig òirlich dheug mu’n cuairt, agus thomhais e ochd tunna ’s ochd ceud. Tha iad a’ cur a mach na h-uile latha eadar deich us dusan tunna dhe gach seòrsa ròp. Tha iad a toirt na còcraich á iomadh àite, cuid dhith á Mexico ’s á New Zealand ’s á Rui’sia ’sa mòran àiteachan eile. Cha ’n abrainn nach eil cuid de luchd-leughaidh a Mhac-Talla ’g a laimhscachadh mu ruig i an t-àite so. Tha eadar da mhile ’s sia mile dolair air a chur a mach gach seachdain ann an tuarasdal an luchd-oibreach. Cha’n eil ach fior bheagan de Ghàidheil ’nam measg. Tha e duilich leamsa thuigsinn car son a bhiodh daoine ’g àicheadh gu bheil Gàilig aca; ’s ann a tha mi fhein glé phròiseil gu bheil i agam, an àite nàire bhi orm air a son. Iadsan a bhitheas ’g a h-àicheadh, cha’n e ’n tùr no ’n t-eòlas a tha ’toirt orra dheanamh, ach cion an da ni sin. Dh’ fhaodainn innse mu iomadh fear us té a tha mar sin a’ deanamh tàire air an cainnt, ach cha bhi mi ’g ur sàrachadh le bhi toirt iomradh orra. Cha’n eil teagamh agam nach fhaca sibh féin an leith idean uair no uair eigin. Tha na càirdean an so uile gu math. Bha mo dheagh charaid, Ailein Mac Aidh, air chéilidh orm an la roimhe: tha e fhéin ’s a theaghlach ann ann an slàinte. Tha mi ’n dóchas gu faigh sibh mo dholair gu sàbhailte, co-dhiu a’s fhach mo litir a clo-bhualadh no nach fhiach. Is mise do charaid agus caraid na Gàilig a h-uile latha chi ’s nach fhaic. A. B. M. L. [TD 354] [Vol. 3. No. 45. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB XV. Thug Seumas agus a chompanach, Eumann, barrachd ùine air an t-slighe gu Baile-Doire na ruigeadh iad a leas. Air latha àraidh an uair a bha iad ann am mullach a’ mhonaidh thachair dithis dhaoine riutha ’s iad ’nan suidhe a’ leigeadh an analach ri taobh an rathaid. Thòisich iad fhein ’s na daoine so ri comhradh mu ’n rathad dhoirbh, chaimeadalach a bha aca ri choiseachd mu’n ruigeadh iad an ath cheann-uidhe. Chomhairlich na daoine so dhaibh gearradh tarsuinn a’ mhonaidh, agus thuirt iad riutha, gu ’n deanadh iad an t-astar ann an dà uair an uaireadair ni bu ghiorra na dheanadh iad e leis an rathad mhòr a leantulnn. Dh’ innis iad dhaibh gu ’m b’ àbhaist do dhaoine a bhith ’gabhail an rathaid, nan saoileadh iad gu ’m biodh de sholus latha aca na bheireadh gu taobh eile a’ mhonaidh iad. O’n a bha toil aig Seumas cabhag a dheanamh dhachaidh, smaoinich e gu ’n gabhadh e an rathad aithghearr, gu h-àraidh o’n a bha ’n latha gu math, agus o ’n a bhiodh solus na gealaich ann air toiseach na h-oidhche. Thug na daoine dha beachd-sgeul air a’ mhonadh ’s air na glinn ’s air na lochannan a bha gu tachairt riutha, agus chuir iad ’na fhaireachadh e air eagal gu rachadh e iomrall ann an luib nan lochannan. Thug Seumas mòran taing dhaibh air son an caoimhneis, agas an stiùiridh a thug iad dha. Ghabh e fhein is Eumann air an aghaidh le ceum làidir, sunndach, agus bha iad an dùil gu ’m biodh iad aig an ath cheann-uidhe mu àird fheasgair. Ach gu mi-fhortanach, cha do chum iad air chuimhne cho math ’s bu chòir dhaibh, am beachd-sgeul a thug na daoine dhaibh. Mu ’n d’ thàinig am feasgar thuig iad gu robh iad air a dhol iomrall. Fhad ’s a bha ’ghrian ri ’faicinn cha do chaill iad an dùil ri faotainn a luib nan lochannan ’s nan aimhnichean a bha tachairt riutha a h-uile taobh air an tugadh iad an aghaidh. Ach mu ’n àm ’san robh a’ ghrian air cromadh gu math, dh’ fhàs na speuran dorcha le neoil thiugha, dhubha a bha ’nochdadh gu soilleir gu robh stoirm is uisge dlùth air làimh. Bhuail an t-aithreachas iad a chionn nach do lean iad rompa air an rathad mhòr mar a rinn iad an latha roimhe sin; ach cha deanadh aithreachas feum sam bith ’san àm dhaibh. An uair a ghabhas daoine an ceum cearr air an comhairle fhein no air comhairle chàich, fuilingidh iad araon trioblaid cuirp agus dragh inntinn mu ’m faigh iad air an ais a dh’ ionnsuidh an ionaid as an d’ fhalbh iad. Is minic a chuir aon cheum cearr dragh is trioblaid air daoine fad uile làithean am beatha. Cha robh aig Seumas agus aig Eumann ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a dheanamh de’n bheairt bu mhiosa. Ghabh iad an t-eagal gu rachadh iad cho fad air seachran ’s nach ruigeadh iad taigh ri ’m beò. Ged a thug iad biadh leotha an uair a dh’fhalbh iad ’s a’ mhaduinn, chuir iad as an t-sealladh e mu ’n d’ thàinig am feasgar. Bha dùil aca gu ’m biodh iad aig an ceann-uidhe mu’m biodh a’ bheag a dh’ acras orra. Bha iad a’ sìor fhalbh air feadh bhogaichean is mhonaidhean. Uair a bhiodh iad ann an cunnart a dhol an comhair an cinn le bruaich locha, no le bruaich aimhne, agus uair eile bhiodh iad gu ’n glùinean ann am poll ’s an eabar. Mu dheireadh an uair a sheid a’ ghaoth ’s a shil an t-uisge, is ann a shuidhich iad gu feuchadh iad ris an oidhche e chur seachad anns a’ cheud àite fasgach a thachradh riutha. Cha robh iad fada ’coiseachd an uair a thàinig iad gu ceann glinne. Chrom iad sìos le bearradh creige feuch am faigheadh iad sgor beag an àite eiginn anns an cuireadh iad seachad an oidhche. Gu fortanach fhuair iad àite cho blàth ’s cho fasgach ’s a b’ urrainn daibh iarraidh. Aig an àm bha iad glé sgìth; ach bha iad a’ smaointean gu ’m biodh iad ceart gu leòr dhe nan robh de bhiadh aca na dheanadh aon deadh shuipeir dhaibh. Bha géireag mhath orra le chéile gu gabhail ’s gu cnàmh am bidh, agus chuir na rinn iad de choiseachd fad an latha an t-acras anabarrach orra. Cha robh iad a’ faireachadh gu robh uiread a dh’ fheum aca air biadh gus an do shuidh iad. Cha robh diog a’ tighinn a’ ceann fir seach fir dhiubh. Mu dheireadh thòisich Eumann ri tuiteam ’na chadal. Bha e gu math ni b’ òige ’s ni bu laige bodhaig na Seumas, agus ged nach robh e a’ leigeil dad air, bha e an impis toirt thairis mu ’n do shuidh iad anns an fhasgadh. Ghabh Seumas eagal gu faigheadh Eumann bàs leis an sgìos agus leis an fhuachd, nan tuiteadh e ’na chadal gu trom. Thòisich e ri ’chrathadh ’s ri ’shlaodadh a null ’s a nall feuch an cumadh e ’na dhùsgadh e; ach a dh’ aindeoin na bha e ’deanamh cha chumadh e Eumann na dhùsgadh. Cha robh fios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e ris. Mu dheireadh smaoinich e gu ’n cuireadh e an còta-mòr a bha uime fhein mu Eumann, agus gu ’n cumadh e e-fhein blàth gu leòr a’ coiseachd sìos is suas ri fasgadh na creige gus an tigeadh an latha. Ghrad chuir e dheth an còta, agus chuir e mu Eumann e. Bha e glé throm-inntinneach anns an àm. B’ fhearr leis na na chunnaic e riamh mu choinneamh a dhà shùl gu robh e gun ceum a thoirt bhar an rathaid. Chuimhnich e air sean-fhacail a chuala e an uair a bha e glé òg, is e sin, gur fhearr rathad fada glan na rathad goirid salach, agus, gur e luathair is fhaisge do mhaille. An uair a bha e ’smaointean air na nithean so ar leis gu ’n cuala e monabur bruidhne. Chuir e a chluas ri claisneachd, agus ann an ùine ghoirid dh’ aithnich e gur e bruidhinn a bha ’cluinntinn, agus gu robh i a’ sìor theannadh dlùth air. Bhuail an t-eagal e; Thuirt e ris fhein, gur dòcha gur droch dhaoine a bh’ annta; oir cha do chòrd fuaim am bruidhne ris. Ged nach robh iad a’ bruidhinn le guth glé àrd, bha iad a ’connsachadh gu teith, teann mu ni eiginn nach robh e gu ro mhath a’ tuigsinn. Mu dheireadh thàinig iad cho dlùth dha ’s gu robh e ’cluinntinn a h-uile facal a bha iad ag ràdh. Chrùb e ann an sgor air eagal gu faiceadh iad e. An uair a bha iad mu dheich slatan uaithe sheas iad—bha triuir ann—agus thuirt fear dhiubh nach rachadh iad ni b’ fhaide gus am biodh fios aca ciod a bh’ anns a’ chiste. “Cha ’n e mo chomhairle dhuibh, ach a’ chiste a chur am falach an so gus an tig sinn a dh’ iarraidh na tha ’na broinn an uair a théid daoine as am faireachadh. Theid sinn gu bog, balbh dhachadh do ar taighean, agus gabhaidh sinn mu thamh. Ma theid am bodach a dh’ ionnsuidh nan taighean againn agus gun sinne ri ar faotainn, gabhaidh e amhrus gur sinn a thug air falbh a’ chiste,” arsa faar eile dhiubh. [TD 355] [Vol. 3. No. 45. p. 3] Thuirt an treas fear, gu ’m b’ fhearr dhaibh a’ chiste fhàgail far an robh i na teannadh ri bristeadh. Nan deanadh iad mòran fuaim an àm a bhith ’g a bristeadh, is dòcha gu ’n cluinnteadh iad, agus gu ’m biodh iad air an glacadh. Cha do chòrd so ris a’ cheud fhear a labhair idir. Thuirt e, gu ’m b’ fhearr aon eun an làimh na dhà dheug air iteig. Ach o’n a bha an dithis eile an aghaidh teannadh ri bristeadh na ciste ’s ri roinn na bha ’na broinn, dh’ aontaich e gu leith-aindeonach gu’n deanteadh mar a bha iad ag iarraidh. Dh’ fhalaich iad a’ chiste cho math ’s a b’ urrainn daibh, agus thug iad ri bruthach i. Fad na h-ùine a bha iad a’ bruidhinn bha Seumas ’na chruban ann an sgor na creige, agus eagal air ’anail a leigeadh a mach. Thuig e gur e triuir mheirleach a bh’ annta, agus bha eagal air gu ’n tugadh iad a bheatha dheth nam faigheadh iad a mach gu robh e ’g an éisdeachd. An uair a chunnaic e iad a’ dol as an t-sealladh thug e tàing do Dhia gu robh e sàbhailte. Chaidh e far an robh Eumann feuch cia mar a bha e. Fhuair e ’na throm-chadal e, agus e blàth gu leòr. Anns an àm bha ’ghealach air a dhol fodha, agus bha ’n oidhche cho dorcha ri oidhche a chunnaic e riamh. Bha ’n ceò a thuit air na monaidhean an uair a shil i am beul na h-oidhche air togail, agus ged a bha ’n oidhche gle dhorcha cha robh i duatharach idir. Sùil gu ’n tug e thar a ghuaille thug e an aire do sholus beag fada uaithe. Thog a chridhe ris an t-solus. Thuirt e ris fhein, gu robh daoine ’nan comhnuidh an iochdar a’ ghlinne, Gun dàil sam bith dhùisg e Eumann. Gun ghuth innseadh dha mu na chunnaic ’s na chuala e fhad ’s a bha e ’na chadal, chomharraich e mach an solus dha, agus thuirt e ris, gu’m b’ fhearr dhaibh a dhol feuch am faigheadh iad biadh is fasgadh anns an taigh as an robh an solus. Bha Eumann deònach gu leòr air so a dheanamh. Bha ’n solus ni b’ fhaide uapa na bha iad an dùil. Greis mu ’n d’ ràinig iad e is ann a bha iad a’ smaointean gu robh e ’falbh uapa. Mu dheireadh thuig iad gur ann á uinneag taighe a bha e. An uair a bha iad mu chòig slatan o ’n dorus chuala iad connsachadh teith, teann eadar dithis anns an taigh. Sheas iad a dh’ éisdeachd; oir bha iad gu’n fhios aca co dhiubh a bhuaileadh iad aig an dorus gus nach buaileadh. Mu dheireadh chaidh iad cho dlùth air uinneag an t-seòmair anns an robh a’ bhruidhinn ’s gu robh iad a’ cluinntinn a h-uile facal de na bha an dithis a bha staigh a ràdh. So cuid de ’n chainnt a bh’ eadar an dithis a bha ’connsachadh a staigh. “Is math an airidh thu bhith lom, falamh a’ nochd. Bha ’n truaighe ort le sannt o thoiseach a’ cheud latha. Cha robh de shòlas agad o’n cheud latha a chunnaic mise thu ach a bhith ’stòradh airgid is òir anns a’ chiste dhuibh ghranda ud. Phòs thu mise air ghaol gu faigheadh tu an dìleab a dh’ fhàg bràthair m’ athar agam. Cha do stad thu riamh gus an d’ fhuair thu mo chuid airgid-sa chur anns a’ chiste duibh comhladh ri do chuid fhein. Is iomadh latha a dh’ iarr mise ort an t-airgiod a chur ’s a’ Bhanca far am biodh e sàbhailte. Ach cha dealaicheadh tu ris. Thug iad leotha ’chiste, agus cha ’n fhaic thusa no mise sgillinn de na bha ’na broinn gu bràth.” “B’ fhearr leam gu ’n dùineadh tu do bheul. Cha bhi fosadh air do theangaidh gus an toir do cheann snag. Bha thu fhein o ’n latha ’chuir mise eòlas ort an toiseach cho dian thun an t-saoghail ri té sam bith. Ged a chuirinnsa na mìltean ma seach cha ’n abradh tu gu ’m b’ olc. Tha fhios aig an t-saoghal nach gabhainnsa thu mur b’ e do chuid airgid. Cha mhò na sin a ghabhadh tnsa mise. Ma fhuair sannt an t-saoghail so greim ormsa fhuair e a’ cheart uibhir de ghreim ort fhein. Nach coma dhuinn cia mar a bha cùisean roimhe so, tha sinn a nis a cheart cho falamh ri daoine eile, agus ni’s falamha na mòran.” “Is coma leamsa de ’n airgiod mhosach. Cha ’n e a tha mi ’caoidh ach m’ aon mhac. Cha stadadh tu gus an do chuir thn air falbh e. Feadhainn sam bith a dheanadh mar a rinn an triuir ud bu shuarach orra Seaghan a spadadh am an ionad nam bonn, nan tachradh e riutha.” Ghrad thuig Seumas gu ’m b’ ann as an taigh ud a ghoideadh a’ chiste a chunnaic e bhith cur am falach aig bonn na creige ann am braighe a’ ghlinne. A chum stad a chur air an aimhreit ’s air a’ chonnsachadh a bha eadar fear an taighe is bean an taighe, bhuail e aig an dorus. Thàinig fear an taighe thun an dorus, agus dh’ fheoraich e gu fuar, frithir, cò a bha ’bualadh. Dh’ innis Seumas dha gu robh e fhein agus a chompanach an déigh a dhol iomrall air feadh a’ mhonaidh, agus gu robh iad an dòchas gu faigheadh iad, air a’ chuid bu lugha, greim bidh agus cead fuireach anns an taigh gu madainn, agus gu ’m pàigheadh iad suim sam bith a dh’ iarradh e orra. Fhreagair fear an taighe agus thuirt e ris e bhith ’toirt a chasan as gu h-ealamh ar neo gu ’m bristeadh e a cheann leis a’ bhata. “Ma ta, a dhuine chòir, tha thu gle’ ghòrach. Mur ’eil mise gu mòr air mo mhealladh ghoid triuir mheirleach ciste as an taigh agad a nochd fhein. Ma nochdas tu dhomhsa an caoimhneas a tha mi ’g iarraidh ort ’s mi ’nam eiginn, seallaidh mi dhut a cheart àite anns am bheil a’ chiste luachmhor a ghoid do thriuir choimhearsnach ort. Ach mur leig thu a steach mi, is mise am fear nach toir ceum air thòir na ciste maille riut.” An uair a chuala e na briathran so thaisich e, agus thòisich e ri ràdh, gu robh eagal air gur e na meirlich a bh’ ann air tighinn a rithist. (Ri leantuinn.) Tha atharrachadh mor eadar an da bheannachd aimsireil sin, Slainte agus Saibhreas. Is e Saibhreas a ’s mo air am bheil muinntir an toir, ach a ’s lugh’ a shealbhaichear leo. Is minic a shealbhaichear Slainte, ged is beag am meas a tha aig moran oirre. Tha e soilleir gu ’m bheil Slainte a’ toirt barrachd air Saibhreas, an uair a smuainichear nach dealaicheadh an duine a ’s bochda tha idir ann r a shlainte fein air son airgid, ach gu ’n dealaicheadh an duine saibhir ri ’airgiod fein air son slainte. Na cuir mor-dhochas anns an duine sin nach cuir a dhochas fein ann am muinntir eile. Cha ’n ’eil cridhe an duine sin glan. Esan aig am bheil amharus an uilc ’na inntinn fein a thaobh sluaigh eile, tha e faicinn annta-san a’ cheart ni a ta e faicinn ann fein. Do na fior-ghloin tha na h-uile nithe fior-ghlan, ach ceart mar sin, tha na h-uile nithe neo-ghlan dhoibhsan a ta neo-ghlan. [TD 356] [Vol. 3. No. 45. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 11, 1895. Bha “bill” air a thoirt a stigh do’n Phàrlamaid Bhreatunnach o chionn ghoirid air son tuilleadh ceartais a thoirt do na croitearan air a’ Ghaidhealtachd. Bha ’n t-achd a rinneadh as an leith beagan bhliadhnaichean air ais a’ toirt cothrom mor dhaibh nach robh aca roimhe sin, ach bidh an t-achd ùr so a dol ceum na’s fhaide na’m fàbhar ann a bhi toirt cothrom dhaibh air an croitean a mheudachadh. Aig an àm so tha ’n lagh a’ cumail a mhàil aig an aon rud o bhliadhna gu bliadhna, agus a toirt fo’n uachdaran còir air duine chur as a chuid fearainn fhad ’sa phàigheas e ’m màl, ach air cho beag ’s ’gam bi a’ chroit air am bi duine, cha n-eil dòigh aige air tuilleadh fearainn fhaighinn ach tre ghean math an uachdarain. Ma tha ’n t-uachdaran deònach tuilleadh fearainn a thoirt da, tha ’chùis ceart gu leòr, ach mur eil, feumaidh e deanamh as aonais. Tha ’n t-achd ur air son sin a leasachadh. ’N uair a bhios croitear air son tuilleadh fearainn a ghabhail, gheibh e cothrom air tagradh a chur air beulaobh cùirt an fhearainn, agus chi a chùirt sin gu’m bi tuilleadh fearainn air a thoirt da. Dh’ fhuiling na croitearan moran ana-cothrom aig lamhan nan uachdaran anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh, ach tha h-uile coltas air gu bheil sin gu bhi air a chur air chùl. “Togaidh na Gàidheil an ceann, ’S cha bhi iad am fang ni’s mò.” Tha buaireas mòr aig an àm so ann an Cuba, aon de dh’ eileanan nan Innsean an Iar. Buinidh e do na Spainntich riamh o’n fhuaras a mach e. Cha’n eil na Spainntich nan luchd-riaghlaidh gle mhath, agus tha muinntir Chuba an deigh iomadh ionnsuidh a thoirt air an cuing a thilgeil dhiubh. Cha deachaidh sin leotha aon turm a dh’ fheuch iad fhathast, agus cha’n eil e ro choltach gu’n teid aca air a dheanamh air an turus so, ach tha iad a’ cogadh cho treun ’s gu bheil a leòr aig a’ Spàinn ri dheanamh. Tha iomadh blàr air a chur o’n thainig an t-earrach; tha ’n sgeul mu dheireadh a thainig ag innse gu robh blar fuilteach air a chur air a cheathramh latha fichead dhe’n mhios a dh’ fhalbh, anns an robh mu dha cheud air am marbhadh. Chaidh ann na Spàinne an latha gu dona. Tha ’n cogadh eadar Sina us Iapan air a thoirt gu crich; tha ’n t-sith air a deanamh, agus tha iad aig fois. Fhuair Iapan gu ire bhig na dh’ iarr i, ’s cha do chuir rioghachdan na Roinn-Eòrpa dragh sam bith oirre. Sean Fhacail. Ge dubh an saor, is geal a shliseag. Ge dona ’n t-ian, ’s miosa ’n t-isean. Ge cruaidh sgarachdainn, cha robh dithis gun dealachadh. Ge math an gille cam cha fhreagair e thall ’sa bhos. Ge h-olc am bothan bochd, ’se tha olc a bhi gun olc gun mhath. Geallaidh am fear feumach an ni breugach nach faigh; saoilidh am fear sanntach, gach ni a gheall gu’m faigh. Gealladh math us droch phàigheadh. Ged chluinn thu sgeul gun dreach na h-aithris e. Ged dh’ imicheadh tu ’n cruinne, cha’n fhagh thu duine gun choire. Is fhearr an dichioll lag na ’n neart leisg. Is fhearr an t-olc eòlach na’n t-olc aineolach. Bhathar dhe gach seòrsa ’s fhearr agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige. Airson Crup, Minard’s Honey Balsam. Airson biastan, Cherokee Vermifuge. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-iomaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SYDNEY,—C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 357] [Vol. 3. No. 45. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thainig soitheach as an Eilean a stigh Di-ciaduin le da mhile buiseal de choirce dubh. Chaidh ceithir cheud tunna guail a chur a mach á méinn a’ Reserve Di-sathairne s’a chaidh. Bha i ag obair gu math trang fad na seachdain so. Dh’ fhalbh soitheach seòlaidh á Port Morien le luchd guail o chionn faisg air mios agus cha chualas iomradh oirre uaithe sin. Bha i ri dhol gu Yarmouth, agus bha sianar dhaoine air bòrd. Tha e ro choltach gu’n deach an call uile. Tha ’n Dotair Buchanan beò fhathast. Tha na fir-lagha aige an deigh beagan tuilleadh de shaoghal fhaotainn da. ’S fior an sean-fhacal a tha ’g radh gur cám ’s gur direach an lagh. Tha e air uairean air a chamadh gu mor anns na Stáitean. Chaidh stoc mor de dh’ iasg geal a chur ann an Loch Ainslie o chionn ghoirid, agus tha ’n ni ceudna ri bhi air a dheanamh ann an Loch O’ Law an ùine gun bhi fada. Thatar a’ deanamh a mach gu bheil an da loch so glé fhreagarrach air an t-seòrsa éisg ud, agus gu’n cinn e gu math annta. Bha caolas Chanso, deireadh na seachdain s’a chaidh air a lionadh leis an deigh mhòir, agus aon latha chum i an carbad feasgair mu dha uair air dheireadh. Thainig i a stigh gu mu leth acarsaid Shidni Di-dòmhnaich s’a chaidh, ach gu fortanach thionndaidh a’ ghaoth agus chaidh a fuadach gu tuath a rithist. Bha fear, Domhnullach, a tha ’g obair air bàta smùid air Caolas Chanso air a lot gu dona ann an sabaid aig Mulgrave deireadh na seachdain s’a chaidh. Stob fear Micheal Peeples sgian ann faisg air a chridhe. Tha e ann an suidheachadh bochd, ach tha dùil ri e dh’ fhaotainn thairis air. Tha Peeples an greim ’s bidh e air fheuchainn aig a’ chuirt mhòir air an ath mhios. Thainig bàs gle aithghearr air Dr. Byers ann an Springhill, toiseach na seachdain so. Bha e mar chleachdadh aige bhi gabhail ‘Morphine,’ agus air an oidhche ud tha e coltach gu’n do ghabh e tuilleadh s’a chòir, ’s cha do dhùisg e riamh as an t-suain ’san no chuir e e. Bha e na dhuine air an robh meas mor, agus b’e ’n tòrradh aige aon cho mor ’sa chunnacas anns a’ bhaile riamh. Chaidh gille beag le Calum Domhnullach aois aona bliadhn’ deug, a mharbhadh ann am Port Morien Di-Ciaduin. Chuir a mhàthair a mach e air ceann gnothuich, agus o’n bha aige ri dhol pios dhe ’n rathad a bha na carbadan guail a dol, leum e air fear dhiubh. ’N uair a rainig e ’n t-àite dh’ ionnsuidh an robh e dol, thug e leum dheth, ach rug speic air a chuid aodaich, agus chaidh a thilgeadh air an rathad mu choinneamh nan earbad, ’s chaidh fear diubh thairis air, ’ga ghead mharbhadh. Cha mhor nach robh a chorp air a ghearradh ’na dha leth. Chaidh am bàta-smùid a tha ’ruith eadar Pictou us Port Hood, air grunnd faisg air Mabou Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh an luchd a thoirt dhith toiseach na seachdain so agus fhuaireadh a toirt air falbh. Tha ’n soitheach-smùid “Harlaw” a nis air a cuairtean àbhaisteach eadar Halifax us Newfoundland. Thaghail i ann an Sidni ’s ann an Sidni Tuath feasgar Dior-daoin ’sa chaidh. Bha luchd mor bathair aice air bord. Chaidh càin ceud gu leth dolair a chur air duine ann a’ siorrachd Halifax o chionn ghoirid air son “Moore” a mharbhadh an deigh an ama th’air òrduchadh leis an lagh. Chaidh a chàin cheudna chur air duine ann a siorrachd Hants, air son a cheart ni. Chaidh fear Iain Màrtuinn a ghoirteachadh gu dona aig Point Tupper Di-màirt s’a chaidh. Bha e ’g obair air laimhrig agus sgioba de dhaoine ag obair as a cheann. Air dòigh eigin leig iad le bòrd tuiteam sios, agus bhuail e airsan mu’n cheann ’s mu na guaillean. Bha car treis a dh’ ùine mu’n d’ thàinig e gu ’thur fhéin. Thaghail soitheach-seòlaidh ann am Port Hawkesbury air an t-seachdain s’a chaidh air a turus as na h-Innsean an ear gu Eilean a Phrionnsa, agus cho luath ’sa ràinig i tir chuir am met an sgiobair an sàs. Tha e ’g ràdh gu ’n do bhuail e ’sa cheann e le maide, agus gu’n d’ rinn e droch mhaoidheadh air. Ma théid aige air sin a dhearbhadh, ni e chùis gu math daor dh’ an sgiobair. Bha fear Noel Auge a fuireach ann an cearna de Chuibeie, agus an la roimhe chaochail a bhean. Chaidh e far an robh ’n sagart air son e dhol dh’ ionnsuidh an torraidh. Dh’ iarr e deoch uisge, agus mu’n d’ fhuaireadh a toirt d’a ionnsuidh, thuit e ann an laigse. Chuireadh a dh’ iarraidh dotair, ach mu’n d’ thainig e, bha ’n duine bochd marbh. Chaidh e fhéin ’sa bhean a thiodhlacadh air an aon latha. Chaidh dithis nigheanan òga, aois tri ’s sheachd bliadhna a bhàthadh aig St. John o chion ghoirid. Bha iad còmhla ri ’n athair ann an carbad. Dh’ fhàg an athair an carbad ’s e dol air turus beag, agus am feadh a bha e air falbh, dh’ fhalbh an t-each an còir a chùil, agus chuir e ’n carbad le bruthaich. Bha loch aig bonn na bruthaich agus chaidh na pàisdean a bhathadh ann mu’n do thill an athair. Chailleadh an t-each cuideachd. Tha churachd a’ dol air adhart na ’s tràithe am bliadhna na b’ àbhaist. A mach rathad Louisburg us Ghabarus tha na tuathanaich beul ri bhi ullamh, agus tha iad ag obair oirre gu sùrdail ann an cearnan eile. Tha ’n samhradh, o’n thàinig e gle bhriagha. Bha Di-màirt s’a chaidh ’na latha cho bláth ri gin thainig ’san iuchar an uiridh, agus cha robh Di-ciaduin fad air deireadh air. Aig an àm so tha e car coltach gu’m bheil samhradh math gu bhi aig an tuathanach. Airson domblasachd, Minard’s Family Pills. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 358] [Vol. 3. No. 45. p. 6] TURUS A MHARAICHE. CAIB VII. LE EOBHAN MACLAOMUINN, M. A. D. D. Is gann a b’ urrain dha na Maraichean cumail orra fein; bha an gàirdeachas co mòr. Phill iad dh’ ionnsuidh an t-soithich, ’deanamh luaidh air na nithibh grasmhoir a chunnaic agus a chual iad. Chuir Tuigse agus Doctair Saor Ghràs failte orra mar braithrean gradhach. Ach dh’ falbh “Dearsair” air seabhideachd, an toir air clachan luachmhor. Dh-amais e air tigh air a thogail gu h-àrd air a charraig anns’ na dhinntrinn e. Bha an sin sean duine feuchain ri teine fiodha bheothachadh le anail; bha eagal air gur Spuinneadair a bh’ ann an “Dearsair,” agus ghuidh e air seann duine mar esan a chaomhnadh. Bha tlachd aig “Dearsair,” ann a bhi cuir eagal air muinntir eile, agus thubhairt e ris le guth ard, “Co thu?” “Is mise Fear-na glùine laga, brathair dha Cion-tùir. Thog e thigh air a ghaineamh agus chaill e bheatha. Rinn mise feum dheth a sgrios-sa, agus thog mi mo thigh air a charraig.” “Am bheil gin de chlachan luachmhor agad” dh’feoirich “Dearsair.” Nuair chuala Gluine-laga so chriothnaich e agus ghlaodh e aig airde a ghutha; agus ràinig a ghlaodh cluasan Chriosduidh—a ghreas suas a charraig da ’n ionnsuidh. Bha Glùine-laga fo eagal gur namhaid a bh’anns an mar an ceudna, agus thug e e fein thairis chum bàis, ach nuair chual e e toirt aithne dha “Dearsair” pilltinn dh’ ionnsuidh an t Soithich, ghlac e misneach. Ghabh Dearsair a chomairle. An sin dh’ feoirich Criosduidh dheth Gluine-laga co e. Dh’innis e dha agus thubhairt mar an ceudna: tha eagal orm roimh gach oiteag ghaoithe “Ciod!” thubhairt Criosduidh tha thu fo eagal, agus gidheadh thu air “Carraig nan Al?” “Chunnaic mi a ghaineamh air ioman mu ’n cuairt” arsa Gluine-laga. “Ach cha ghaineamh Creag” arsa Criosduidh. “Tha fios agam air sin gidheadh tha eagal agus crith orm.” “Am fac thu a Chreag a turramanaich?” “Cha ’n fhac” “Uime sin carson tha eagal ort?” “Tha do brigh gur mi mac dha Neulach, agus cha ’n fhaic mi uair air bith taobh soillear chuisean.” Na dh’ àicheadh thu riamh Tighearn na Carraig?” Fhreagair Gluine-laga, “gu dearbh cha d’ àicheadh.” “Tha gradh agam da.” “Co th’agam anns na néamhaibh ach thusa agus an coimeas riut cha’n n’ eil neach air thalamh air am bheil dhéigh? (Ri leantuinn.) LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG. AM BARD SGIATHANACH. (Air a leanntuinn.) Tha earrainnean de na h-oranaibh aige fathast air an aithris ’s an duthaich sin, agus tha moran de na briathraibh-gliocais aige air chuimhne gu ruig an la an diugh. Is anabarrach grinn an t-oran a rinn e air triuir oigh a chomhlaich e la araidh an uair a bha e air chuairt air na raointibh. Bha iad ro mhaiseach agus aillidh ’n an cruth, agus cha bu bheag an t-iongantas a bha air tachairt air an triuir d’ am b’ ainm “Iochd a’s Gradh a’s Fiughantas.” Ach innsear ni ’s fearr mu ’n timchioll ann am briathraibh Lachluinn Mhic Thearlaich fein, a thubhairt:— Latha ’siubhal sleibhe dhomh ’S mi falbh leam féin gu dluth, A chuideachd anns an astar sin Air gunna glaic a’s cu; Gu ’n thachair clann rium anns a’ ghleann, A’ gal gu fann chion iùil; Air leam gur iad a b’ àillidh dreach A chunnacas riamh le m’ shùil. Gu’m b’ ioghnadh leam mar tharladh dhoibh, Am fàsach fad air chùl, Coimeas luchd an aghaidhean Gu ’n tagha de cheann iùil, Air beannachadh neo-fhiata dhomh Gu ’n d’ fhiaraich mi—“Co sud?” ’S fhreagair iad gu cianail mi Am briathraibh mine ciùin. “Iochd, a’s Gràdh, a’s Fiughantas, ’N ar triùir gur e ar n-ainm, Clann nan uaislean cùramach, A choisinn cliù ’s gach bàll; ’N uair phàigh an fhéile cìs do’n Eug ’S a chaidh i fein air chàll, ’N a thiomnadh dh’ fhàg ar n-athair sinn Aig maithibh Innse-Gall!” Bha Lachlunn ’n a dheagh shealgair. Gun teagamh cha robh a choimeas ’s an Eilean air fad chum nam fiadh a lorgadh, agus na faoghaid a ghiulan air aghaidh. Am measg nan iomadh buadh a bhuineadh dha, bha e ’n a deagh fhidhleir. Cha robh a leithid air son ciuil de ’n ghne so ’s an Eilean uile, uime sin, bu lionmhor iad de gach inbh a bha ’taoghal air, agus is esan a bha fialaidh, fiughantach, ceanatlta, a thaobh nan uile. Cha biodh toilinntinn a dhith orra, fhad ’s a dheanadh filidheachd, ceol, orain, sgeulachdan, agus glic-bhriathran an riarachadh! Mar dhearbhadh air fior dhillseachd Lachluinn Mhic Thearlaich, chaidh e re na slighe as an Eilean Sgiathanach air a chois do Inbhirnis, fad an aghaidh toil a Chinn-Chinnidh fein, anns a’ bhliadhna 1717, chum an t-ainm aige a chur ri Litir-ghairdeachais do Righ Deorsa I., air son a theachd chum na righ-chathrach Bhreatunnaich. Chuir e seachad iomall a laithean ann an Eilean agus sgireachd a bhreith. Chaochail e aig aois naoi agus tri fichead ’s a bhliadhna 1734. Bha ’n duthaich fad fo bhron air son bas an deagh dhuine so. Cha chualas riamh iomradh air uiread a bhi air adhlac ’s an Eilean Sgiathanach ’s a bha ’lathair ’n am a bhi ’cur Lachluinn do ’n chill. Bha, ach beag, gach Ceann-cinnidh ’s a Ghaidhealtachd, agus an luchd-leanmhuinn air an adhlac aige. Chunncas an sin a charaid Alasdair Dubh a’ Ghlinn-Garaidh, agus a chuid daoine, Mac-Dhomhnuill nan Eilean, Mac-Leoid Dhunbheagain, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, Mac-Coinnich na Comaraich, Tighearna Ghearrloch, agus moran eile, maille ri ’n comhlanaibh agus luchd leanmhuinn. Bu la cudthromach sin ’s an sgireachd. An uair a thogadh an t-adhlac bha seachdnar phiobair le ’n nuallanaibh tiamhaidh a’ leantuinn na ciste. Bha Beilig, Blath-bheinn, Marsco, agus na beannta mu ’n cuairt a’ co’-sheirm le fuaim na piobaireachd, gus an d’ rainig a’ mhor-chuideachd Cill-Chrosd, aite-adhlaic na sgireachd ’s an d’ rugadh esan a chuireadh ’n a shineadh ’s an uaigh chumhainn, dhuirch, maille ri duslach a shinnsear o linntibh an cein! SGIATHANACH. Tha fhios agam gu leighis Minard’s Liniment Amhach Ghoirt. French Village. IAIN D. BOUTILIER. Tha fhios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an Crup. Cape Island. I. F. CUNNINGHAM. Tha fhios agam gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a th’air thalamh. I. A. SNOW. Norway, Me. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. [TD 359] [Vol. 3. No. 45. p. 7] Aon Ni. Ann am baile àraidh bha dithis bhràithrean bha ’cumail bùth mhòr. Bha iad ’nan daoine cho deas, ’s cho dealbhach, ’s cho maiseach, ’s cho àrd o thalamh ’sa gheibhte anns an dùthaich gu leir. Bha iad gle mhoiteil asda fhéin a chionn gu robh iad nan daoine cho garbh ’s cho làidir. Bha iad a’ cumail aon ghille-bùtha, agus thachair, ged a bha e tapaidh gu leòr gu robh e glé bheag, meanbh, meata. Bhiodh na maighstirean gu tric eadar feala-dha ’s da rìreadh ga ràdh ris nach robh ann ach duine gun sgoinn; gu robh e cho beag ’s cho meata ’s nach deanadh e gnìomh treun gu bràth. Bha e gu foighidneach ag éisdeachd riu car ùine, ach mu dheireadh dh’ fhas e sgìth a bhith sìor chluinntinn nach robh ann ach lodragan beag balaich. Thuirt e riù latha àraidh ’s iad an déis tuilleadh ’s a’ chòir de mhagadh a dheanamh air, “Cho beag, meata, ’s ga bheil mi tha mi cinnteach gu’n dean mi rud nach urrainn fear seach fear dhibhse a dheanamh ged is sibh dithis is mo ’san dùthaich? An uair a dh’ fheòraich iad dheth ciod a dheanadh e nach deanadh iadsan cha b’ àill leis innseadh. Mu dheireadh fhreagair e. “Theid agam air m’ obair a dheanamh a h-uile latha gun a bhith ’mionnachadh ’s a’ mallachadh, agus sin rud nach urrainn sibhse ’dheanamh.” Sheall an dara fear air an fhear eile, agus cha d’ thubhairt iad guth. Cha do lean iad ni b’ fhaide air magadh air a ghille-bhùtha. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 360] [Vol. 3. No. 45. p. 8] An Sgiobaireachd. Rinneadh an t-òran so le Iain Moirison a bh’ anns na Hearadh, ann an freagradh do dhàn molaidh a rinneadh dha leis an Urramach Frannsidh Mac Bheathain, a bha aig an àm a’ saoithreachadh ’s a’ chearna sin de ’n Ghàidhealtachd. Chuala mi bho phàirt Mu’n chliù àdhmhor, fhlathail, ’Thug thu orm do chàch ’N a do dhàn ro ealant’; Dh’ fhuilingeadh e gun sgàth, Ged bhiodh dòrn no dhá Air a thoirt dheth ’bhàrr ’S e ro àrd bho ’n talamh, Air son daol-chnuimh fhalamh. Làn de ghaoid mhi-fhallain, Us de mhòr chuis-ghràin ’Th’ air mo chàirdean falaicht.’ Ach, a Fhrannsidh chòir, Sheinn thu ’n ceòl ro fhada; Leig thu ’mach an sgòd Leis an t-seòl gu ’chlaigeann; ’N uair bu chòir an còrs’ ’Chumail suas air dòigh, ’S fraoch nan stoirm cho mòr, S sgiob air bòrd cho lapach ’S gu ’m faod iad tre chadal, ’N àm nan sian ’s na frasachd, Calldach ’leigeadh òirnn, Nach diol òr air ais dhuinn. Ballaist ’chur ’s na cruinn, Cha chuir innte taic dhuinn; Siùil a chur ri ’druim, Cha chuir sgoinn ’n a h-astar; Stiùir ’chur os a cinn, Cha dean iùl do ’n luing; ’S pump gun cheann ’s an taoim Cha chuir sginn a mach dhith. Nach e ’ceum ’bhios glagach, ’Null ’s a nall, ’s air tarsainn? Ceart cha seòl i dhuinn, ’S gleus gach buill as altan. Biadh a chur mu ’r druim, Cha chuir dhinn an t-acras; Eudach ’chur ’n ar broinn, Cha chum sinn gu fasgach; Clogaid ’bhi m’ ar buinn. Cha dean ceann-bheairt dhuinn; ’S brògan ’chur m’ ar cinn, Cha dean loinn do ’r casan; ’S déisthinneach mi-mhaiseach ’Bhios ar sgèimh ri fhaicinn; Cha tig neach ’n ar gaoith, ’Chi ach oillt ’n ar fasan. Cha tearainteachd dhùinn Toirt ar cùram seachad, ’G radh “Na abair dùrd, Tha ’n Insurance beairteach; ’S iomadh aon ’bha ’n dùil Nach robh meang ’n an cùis, D’ a thrìd ’chaill an cùrs’, Dh’ easbhaidh diùdh us faicaill, ’S riamh nach d’ rànaig dhachaidh ’Dh ionnsaidh seòlaid acair’, ’S nach do sheilbhich stùr Dheth na b’ ùidh leo ’ghlacadh. Ged robh sinn ’s an luing, Pailt an luim ’s an acfhuìnn, ’S ged b’ eól dhuinn le cinnt, Feum gach buill us beairte; Ciod an stàth ’bhios dhuinn Eòlas ’bhi ’n ar cinn Air gach ball ’bhios innt’, Mur ’bi sinn ’g an cleachdadh? Feumar còrd ’s an acair’, ’S ’cheann air bòrd ’bhi glaiste, ’S ris gach sruth us gaoith, ’N combaisd cruinn a leantainn. Taladh Na Bean Shith. Tha e air aithris o cheann iomadh linn air ais gun d’ thàinig a’ bhean shith am beul an anmoich gu Lùchairt Mhic Leòid Dhunbheagain, ’s an Eilein Sgiathanach, agus gu’n ghabh i staigh troimh gach dorus agus seòmar gus an d’ ràinig i an t-ionad ’s an robh an t-oighre ’n a chadal, ’s e ’n a naoidhean òg. Thog i air a glùn e ’s sheinn i le guth binn leadarra an tàladh neo-chumanta ’leanas; an sin chàraich i an leanabh anns a’ chreathail far an d’ fhuair i e, agus le ’h-earradh fada uaine ’s le ’h-aogasg neo-shaoghalta, gun fhocal á beul, no sealladh o ’sùil, thog i mach ris an aonach a ghabhail a h-àite ’an talla a’ chiùil agus nam fleadh am measg luchd àiteachaidh nan cnoc. ’S e mo leanabh mingileiseach, maingileiseach, Bualadh nan each, glac nan lùireach, Nan each cruidheach ’s nan each snagach, Mo leanabh beag. ’S truagh nach faicinn féin do bhuaile Gu h-àrd air uachdar slèibhe, Còta caol caiteanach uaine, Mu d’ dhà ghuallainn ghil a’s leine, Mo leanabh beag. ’S truagh nach faicinn féin do sheisreach, Fir na deadh mna-caoimhneil a’ tighinn dachaidh, ’S na catanaich a’ cur sil. O mhìle bhog, o mhìle bhog, Mo bhrù a rug, mo chìoch o shluig, Mo ghlùn a thog. M’ ultach iudhair, sultmhor, reamhar, Mo luachair bhog, M’ fheòil a’s m’ uidhean, a ni bruidhinn, Bha thu fo mo chrios an uiridh, lus an toraidh, Bidh tu ’m bliadhna gu geal guanach Air mo ghuallainn feadh a’ bhaile, Mo leanabh beag. O bhireinn o bhò, na cluinneam do leon, O bhireinn o bhò, gu ’m biorach do shrón, O bhireinn o bhò, gu’n liath thu air chòir. O bhireinn o bhinn thu, cha ’n ann a Chlann Choinnich thu, O bhireinn o bhinn thu, cha ’n ann a Chlann Chuinn thu, O bhireinn o bhinn thu, sìol a’s dòch’ linn thu,— Sìol nan Leòdach nan lann ’s nan luireach,— B’e Lochlainn dùthchas do shinnsir. N. M’L. Airson Casadaich, Minard’s Honey Balsam C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidui, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4 ’95; [TD 361-368] [No. 46 a dhìth] [TD 369] [Vol. 3. No. 47. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cuinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 25, 1895. No. 47. ADHLAICEAN ANN AN CHINA. Do bhrigh nach ’eil aig muinntir China dochas an taobh thall de ’n uaigh, tha iad a’ deanamh caoidh gun choimeas as leth an cairdean a’s dillse an àm bas ’fhaotainn. Tha gach ni ’g a dheanamh le riaghailt eagnuidh. Tha ’n uine, agus am modh, agus meud amhghair an ti a ta fo bhron, air an sonrachadh gu curamach. Tha an corp, air da a bhi air a chomhdachadh le sgeadachadh maiseach, air a chur ’n a shineadh ann an ciste laidir, far am bheil e air a ghleidheadh air uachdar na talmhainn re aireimh sonraichte laithean, chum gu ’n silear na deoir gu frasach thairis air. Tha na cairdean an sin ’g an suidheachadh fein mu ’n cuairt de ’n chiste, a’ deanamh mor-chaoidh le bas-bhualadh, le ’m fol air a sgaoileadh, lesaceudach agus le bhi ’cur am beoil ’s an duslach. An uair a roghnaichear aite freagarrach air son na h-uaigh, tha i air a cladhachadh gu domhain, agus tha ’chiste air a leagadh sios gu tosdach an lathair nan uile. Tha ’n t-aite an sin air a chomharrachadh le tuam riomhach, air chumadh crudh eich, a bhi air a thogail thairis air, agus ainm an ti a chaochail air a ghearradh a mach ann an litrichibh soilleir. A thuilleadh air so uile, tha clar-cuimhne air a chur suas ann an talla nan sinnsear aige, agus dh’ ionnsuidh sin thig iad gach bliadhna chum iad fein umhlachadh an lathair tainnisg nam marbh. Tha iad, aig gach am air an tig iad ag ullachadh loin iomchuidh chum ocras nan spiorad nach fhaicear leo a shasuchadh, air doibh a bhi ’deanamh a mach gu ’m fannuich na spiorada sin, mur bi iad mar so air am beathachadh. Tha iad anns na teampullaibh aca, a’ toirt urraim le ’n uile dhurachd do na mairbh chum solar a dheanamh air an son, agus chum gach uireasbhuidh a bhuineas doibh a shasuchadh anns an ath shaoghal. Tha iad a’ losgadh paipeir a’ dealradh le h-or, agus mar an ceudna, a’ cur thighean agus charbadan, a rinneadh le paipeiribh oidheirc, ’n an teine, anns a’ bharail gu ’m bi iad sin uile air an cruth-atharrachadh ’s an ath shaoghal chum airneis iomchuidh a dheanamh do na tainneasgaibh a tha gun fhuil gun fheoil ann an saoghal nan spiorad. Tha am paipeir oir air a thionndadh air an taobh thall do ’n uaigh, gu airgiod freagarrach air son feum spiorad nam marbh! Mar a’s aird’ ann an inbh an ti a gheibh bas ’s ann is faide a nithear caoidh air a shon. Tha ’n t-Impire ri caoidh re thri bliadhna air son a pharanta fein, agus tha gach deagh iochdaran a’ leantuinn ’eiseimpleir-san. Tha na h-uachdarain a’ toirt thairis an dreuchd ri am na caoidh, tha na daoine foghluimte a’ sgur dhe ’n rannsachadh a mach, agus tha na daoine cumanta a’ cur an oibre gu taobh! Is muladach a bhi ’smuaineachadh air saobh-chrabhadh cho cianail ri so; agus tha e ’n a aobhar taingeileachd dhuinne, gu ’n do thilg an Ti a’s airde ar crannchur ann an tir far am bheil solus Greine na Fireantachd a’ fogradh an tiugh dhorchadais sin air falbh, agus far am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum soluis le Soisgeul siorruidh na sithe! SGIATHANACH. SEAN-FHACAL SINEACH.—’N uair a tha ’n claidheamh meirgeach, an crann glan, na priosain falamh, na taighean-tasgaidh làn, starsaichean nan teampull air an cosg, agus timchioll dorsan nan taighean-cùrtach an fàs fo fheur; ’n uair bhios na dotairean a siubhal dh’ an cois, na fuineadairean a marcachd each, agus luchd-sgriobhaidh a falbh ann an carbadan; an sin tha ’n dùthaich air a deagh riaghladh. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor. Airson biastan, Cherokee Vermifuge. Urnuigh an Tighearna. Ayr ain tayns Niau, casherick dy rou dty enynm. Dy jig dty reeriaght. Dty aigney dy rou jeant er y thalloo, myr te ayns Niau. Cur dooin nyn arran jiu as gagh laa. As leih dooin nyn loghtyn, myr ta shin leih dauesyn ta jannoo loghtyn myn ’oi. As ny leeid shin anyns miolagh, agh livreg shin veih olk; son lhiats y reeriaght, as y phooar as y ghloyr, son dy bragh. Amen.—A’ Ghaidhlig Mhanainn, Tiomhnadh Nuadh, 1810. Hon Tad, pehini a so en Eon, hoch Ano bezet sanctifict roct deomp ho Ruanteles; ho Bolonte bezet gret en Duar, evel en Eon, roet deomp hon Bara pebdeziec; a pardonet deomh hon offansa, evel ma pardonomp dar re pere ho devu hon offanset; na bermettet ket e cuessemp e tentation ebet; oguen hon delivret a zruc. Evelse bezet gret!—A ’Ghaidhlig Armorica, o Dumoulin Grammatica Celtica 1800. Ein Tad, yr hwn, wyt yn y Nefoedd, sancteiddier dy Enw deled dy Deyrnas; gwneler dy Ewyllys, yn y Nef, felly ar y Ddaear helyd, Dyro i ni heddyw ein Bara beunyddiol; a maddeu i ni ein Dyledion, felly maddeuwn ninnau i ’n Dyledwyrc; ach na arwain ni i Brofedigaeth eithr gwared ni rhag Drwg. Canys eiddot ti yw’r Deyrnas, a’r Nerth, a’r Gogoniant, yn Oes Oesoedd. Amen.—A’ Ghaidhlig Chuimridh. Am Biobuill 1746. Our Narne ata air neambh. Beanicha tainm. Gu diga do rioghda. Gu denta du hoill, air talamh in mar ta ar neambh, Tabhar dhuinn an niugh ar naran limbhail. Agus mai dhuine ar fiach ambail mar mahamhid ar fiacha. Na leig sinn ambharibh ach soarsa shin on olc. Or sletsa rioghda, combta, agus gloir, gu sibhiri. Amen.—Gaidhlig Waldenseach, “Adhamh agus Eubh” 1837. Airson Casadaich, Minard’s Honey Balsam. [TD 370] [Vol. 3. No. 47. p. 2] TAIGH NA COILLE. LE IAIN. CAIB XVII. An uair a chuala ’athair gu ’n d’ thàinig Seumas thog a chridhe, agus bha e, ar leis, cho slàn ’s a bha e mionaid riamh. Cha b’e na bha de thinneas cuirp air a bha ’cur a shlàinte air ais, ach am bròn agus am bristeadh-cridhe a bh’ air riamh o’n a chaidh Seumas air chall. Cha robh a’ chùis a’ dol bhar na smaointean aige a latha no dh’ oidhche. Cha chreideadh e o dhuine beò gu faighteadh sgeul air Seumas gu bràth. Bha a bhean mòran ni b’ fhearr misneach na bha esan. Bha i ’toirt oirre fhein a chreidsinn gu ’n tigeadh Seumas dhachaidh beò, slàn. Agus air ghaol a mhisneach-san a chumail suas cho math ’s a ghabhadh deanamh, bhiodh i ag ràdh ris, gu robh i cinnteach gu ’m biodh a h-uile cùis ceart air a’ cheann mu dheireadh. Bha i làn-chinnteach ’na h-inntinn fhein nach b’ ann le aotromas no le gòraiche sam bith a dh’ falbh Seumas air an luing. Bha fhios aice gu robh e ’na dhuine òg a bha anabarrach steidheil, glic, agus mar sin, cha robh i a’ creidsinn gu robh e air a thoirt bhar na slighe cheart le droch chompanaich. Bha dearbhadh aice nach robh e a’ deanamh companais ri neach sam bith de na daoine òga, eutrom a bh’ anns an sgoil maille ris. A dh’ aon fhacal, cha chreideadh i droch sgeul sam bith air Seumas. Cho luath ’s a chuir a mhàthair fàilte chaomh, chridheil air Seumas, chaidh i leis do ’n t-seòmar far an robh ’athair na laidhe. “Nach iomadh uair a thuit mi riut gu ’n tigeadh Seumas dhachaidh beò, slàn, ’s cha chreideadh tu mi?” ars’ ise. “Co againn a bha ceart? Bha mise a’ toirt creideis do ’n t-seàn-fhacal a tha ’g ràdh, ‘Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi dùil ri beul uaghach.’” Cha b’ urrainn an duine còir ach gann aon fhacal a ràdh. Bha e cho làn de shòlas aig àm. Dh’ fhàiltich agus phòg e Seumas mar a rinn a mhàthair. Cha robh a leithid de ghàirdeachas riamh roimhe ann an Taighe na Coille ’s a bh’ ann an oidhche ud—cha robh eadhon an latha a rugadh Seumas. Cha bu luaithe a chuir Seumas fàilte air a phàrantan na dh’ fheòraich e c’ àite an robh a pheathraichean. Dh’ innis a mhàthair dha gu ’n deachaidh iad air chuairt gu ruige Duneidionn beagan làithean roimhe sin. “Bha iad cho trom ’g ad chaoidh fhein a h-uile latha o’n a chuala sinn gu ’n deachaidh tu air chall ’s gu robh eagal oirnn nach seasadh an slàinte ris. Ged nach e so an t-àm ’s am b’ àbhaist dhaibh falbh o’ n taigh, chuir sinn air falbh iad do Bhaile Dhuneidinn, feuch an togadh iad an cridheachan; oir cha robh ceum a rachadh iad, no àite anns an seasadh iad, nach robh iad a’ faicinn ’s a’ cluinntinn iomadh ni a bheireadh thu fhein gu ’n cuimhne. An uair a chluinneas iad gu ’n d’ thàinig tu, theid mi an urras nach bi iad fada gu ’n tilleadh dhachaidh,” ars’ a mhàthair. Bha ’n latha geal ann mu ’n d’ thàinig norradh air sùil duine a bha staigh. Bha ’n t-uachdaran agus a bhean cho aoibhneach, agus cho taingeil do Dhia, a chionn gu ’n d’ thàinig an aon mhac dhachaidh uca slàn, fallain ’s nach tigeadh cadal orra. Bha ’n luchd-muinntir mar an ceudna cho toilichte ’s nach tigeadh norradh cadail orra. Cha d’ fhuair am buidilear cadal ged a chaidh e do ’n leabaidh ni bu tràithe na càch, a chionn mar a bhruidhinn e ri Seumas aig an dorus. B’ e Eumann is Seumas bu luaithe a thuit ’nan cadal; oir bha iad le chéile sgìth an déigh an turuis. Ged a rinneadh fodhail gu leòr ri Seumas cha do dhichuimhnich e Eumann. Cha robh e còig mionaidean a staigh an uair a dh’ iarr e biadh a thoirt dha, agus leaba a dheanamh deas dha. An là-iar-na-mhaireach dh’ innis Seumas d’ a athair ’s d’ a mhàthair mar a thachair dha o ’n latha a thugadh air bòrd na luinge e, gus an d’ thàinig e dheachaidh an oidhche roimhe sin. Dh’ innis e dhaibh gu b’ e Tomas Taillear is Tearlach Ros a bha aig bonn a h-uile trioblaid a thàinig ’na rathad fad na h-ùine. B’ ann o Eumann a fhuair e mach mar a rinn iad. Mar a tha fhios againn, bha Eumann ’na ghille bùird aig sgiobair na Dubh-ghleannaich. An oidhche a chaidh na fir a dheanamh baragain ris an sgiobair gus Seumas a chur as an rathad, ghabh iad ’nan triuir, mar is minic a rinn droch dhaoine roimhe sin ’s na dhéigh, barrachd de ’n stuth làidir ’s bu chòir dhaibh. Thug sin orra ’nan triuir a bhith ri àrd-bhruidhinn. Ged a bha iad car air am faicill fhad ’s a bhiodh Eumann a’ frithealadh dhaibh, cha bu luaithe a rachadh e am mach as a’ chàbain na thogadh iad an guth gu math àrd. O nach robh eadar iad agus an seòmar anns an robh Eumann ach balla-tarsuinn de dh’ fhiodh tana, cha mhòr nach cuala e a h-uile guth a bh’ eatorra o thoiseach gu deireadh. Ghabh Tomas Taillear amhrus gu robh Eumann ’g an cluinntinn. Ach thuirt an sgiobair ris, gu reiceadh e Eumann an latha ’reiceadh e Seumas. An uair a chuala cach so bha iad toilichte gu leòr. Dh’ innis Eumann do Sheumas a h-uile facal a chuala e. Sin an uair a thuig Seumas c’ ar son a bha Tomas Tailear agus Tearlach Ros cho beulach agus cho caoimhneil ris. Rud nach b’ ioghnadh, ghabh na gillean bochda an t-eagal; ach rinn iad suas eatorra fhein nach leigeadh iad orra gu robh fios air ni sam bith de na bha ann am beachd an sgiobair a dheanamh riutha. Bha iad cho umhail do ’n sgiobair ’s a bhiodh an luach fo spògan a’ chait. Chuir so as ’fhaireachadh e. An uair a dh’ innis Seumas a naigheachd uile d’ a phàrantan, ghabh iad ioghnadh mòr. Bha fhios aca gu robh Tearlach Ros ’na dhuine truagh, gun mheas, gun mhodh, gun chliù; ach cha do smaoinich iad riamh gu ’m b’ urrainn da ’bhith cho aingidh ’s gu feuchadh e ri Seumas a chur as an rathad, a chum gu faigheadh e oighreachd Cheann-Locha dha fhein. An uair a smaoinich iad air na litrichean milis, càirdeil, a bha e ’cur do ’n ionnsuidh an déigh do Sheumas a dhol air chall, thuirt iad a beul a chéile, gur e aon fhear cho cealgach ’s a shear riamh air talamh nam beò. Bha naire orra gu robh a leithid de dhuine ann an dàimh riutha. Shuidhich iad eatorra fhein nach tugadh iad iomradh ri duine beò gu ’n d’ rinn e mar a rinn e, air eagal masladh a thoirt air an teaghlach. Chuir iad fios d’ a ionnsuidh gu ’n d’ thàinig Seumas dhachaidh, agus gu robh fios aca air a h-uile guth a bha eadar e fhein agus sgiobair na Dnbh-ghleannaich mu ’n do chuireadh Seumas air bòrd. Thuirt iad ris nach ruigeadh e leas ’aghaidh no ’aodann a nochdadh gu bràth ann an Taigh na Coille. [TD 371] [Vol. 3. No. 47. p. 3] Cha robh Seumas ceithir uairean fichead air tighinn dhachaidh an uair a bha fios aig sluagh na h-oighreachd air. Bha aoibhneas gu leòr orra an uair a chuala iad e. Bha meas mòr aca air. Ach mar is minic a thachair, bha aon is aon dhiubh a theireadh, nach b’ e thoirt air falbh gun fhios gun fhaireachadh dha a rinneadh idir, ach gur ann a dh’ fhalbh e leis an eutromas air an luing, agus gur e an long-bhristeadh a thug air tilleadh dhachaidh. Ann am beagan ùine bha Fear Cheann-Locha cho sunndach ’s a bha e riamh. Thill an ceathrar nighean dhachaidh cho luath ’s a chuala iad gu ’n d’ thàinig Seumas, agus bha Taigh na Coille aon uair eile ’na thaigh anns an robh subhachas agus aoibhneas gu leòr. Mar chomharradh air gu robh iad taingeil gu ’n d’ thàinig Seumas dhachaidh uca beò, slàn, rinneadh cuirm mhòr do na daoine bochda a bh’ air an oighreachd, agus an uair a bha iad aig a’ chuirm thugadh tiodhlac do gach aon aca a réir am feuma. Bha Seumas ann an “Talla na Cuirme” comhladh ris a’ chuid eile de ’n teaghlach, a chum gu faiceadh iad gu ’m biodh gach ni air a dheanamh cho math ’s cho òrdail ’s a ghabhadh deanamh. Aig an àm ghnàthaichte thugadh a’ chuirm bhliadhnail do ’n tuath mar a b’ àbhaist. Cha robh an tuath riamh roimhe cho toilichte ’s a’ bha iad aig an àm ud. Bha iad toilichte a chionn gu robh an t-oighre aig a chuirm; oir bha iad leith-bliadhna roimhe sin a’ smaointean nach fhaiceadh iad gu bràth e. Bha iad mar an ceudna toilichte do bhrìgh gu robh an teaghlach gu léir a làthair, agus gu robh iad ni b’ aoidheile agus ni bu shunndaiche na chunnacas riamh roimhe iad. Mar bu trice bhiodh cuid de ’n teaghlach air falbh o ’n taigh aig àm na cuirme. Ach aig an àm so bha iad uile a làthair. Cha robh fhios aig Eumann ciod bu shloinneadh dha idir. Tha e coltach nach robh ann ach dilleachdan bochd a fhuaradh air sraid an àite eiginn an Sasunn. Cha robh cuimhne sam bith aige air màthair no air athair. B’ e chuimhne a b’ fhearr a bh’ aige, gu robh e ann an taigh tuathanaich fad àireamh bhliadhnachan mu ’n deachadh e gu bhith ’na ghill-bùird aig sgiobair na Dubh-ghleannaich. Cha robh Fear Cheann-Locha ’faicinn freagarrach gu ’m biodh neach sam bith ’na sheirbhis aig nach robh fhios ciod bu shloinneadh dha, air eagal gu ’m biodh cuid de ’n luchd-muinntir eile, no cuid de ’n t-sluagh, ag amharc sìos air. O’n a bha Eumann ’na sheorsa stiùbhaird air bòrd na luinge, bhuail e anns an inntinn aige gu ’m bu chòir a shloinneadh air an obair a bh’ aige an uair a chuir Seumas eolas air. Air an aobhar sin thugadh Eumann Stiùbhard mar ainm ’s mar shloinneadh air. Bha e ann an seirbhis an teaghlaich fad uile làithean a bheatha. Bha e ’na ghluasad cho modhail ’s cho iomchuidh ri fear sam bith. Bha uachdaran Cheann-Locha ’s a bhean beò gus an d’ ràinig iad aois mhòr. Fhuair an ceathrar nighean pòsaidhean math, agus bha iad ’nam mnathan-taighe ’s ’nam màthraichean cho math ’s cho measail ’s a gheibhteadh ann an àite sam bith. An uair a phòs a pheathraichean bha a mhàthair is ’athair ag iarraidh air Seumas pòsadh; ach bha eagal air nach biodh a bhean a roghnaicheadh e cho caoimbneil ri ’mhathair ’s bu chòir dhi bhith. Mu dheireadh an uair a dh’ fhàs a mhàthair lapach phòs e. Gu fortanach fhuair e bean a bha anns gach doigh a réir a mhiann. Bha i anabarrach caoimhneil ri ’athair ’s ri ’mhàthair. B’ aithne dhi gu ro mhath a h àite fhein a chumail. Bha teaghlach mòr, maiseach, cliuiteach aca. Bha iad le chéile beò gus am faca iad an sliochd gu léir air an taigh ’s air an taigheadas. Tha feadhainn de ’n cuid oghachan beò gus an latha ’n diugh. A’ Chrioch. Is abhuist do ’n arm dhearg cur air am bràtachan, ainmean nan cathan ainmeil anns an do choisinn iad buaidh. Bha Reisimeid-coise Shasunnach ann, aon uair, aig nach robh onair sam bith air a brataich. Bha aon de na saighdearan ’na Albannach, agus is tric a bha e an trioblaid agus am masladh, a chionn ’s gu ’n robh e cho easumhail. Tha paipeir air a chumail airson gach saighdear, agus tha gach coire a rinn e re na h-uine a bha e anns an Reisimeid, air a sgriobhadh. Bha an t-Albannach ann an làimh, mar b’ abhuist da, aon uair eile. agus thugadh e an lathair a’ Choirneil. A nis, bha a phaipeir làn, ’s gu ’n robh a choirean cho lionmhar. Bha am paipeir air a thogail suas leis a’ Choirneil, agus thuirt e “Seall ri so Alasdair, tha thu a’ dianamh uilc cho tric ’s nach ’eil aite air do phaipeir gu ainm a’ choire so a sgriobhadh.” “Ceart gu leòir ’Choirneil” ars Alasdar “sgriobh e air a’ bhrataich. Tha feum mòr aice air onair air chor-eigin.” Bha buidhean bheag shaighdearan a’ siubhal air feadh na Gaidhealtachd o chionn beagan mhiosan, dh’ fheuchainn am faigheadh iad gillean gu gabhail anns an arm dhearg. Thachair iad air gille mòr làidir, tapaidh, air an rathad gu Baile-an-fhraoich, agus thuirt an t-oifigeach ris “A mhic mo chridhe! is tu a cheart duine tha dhith oirnn anns an Reisimeid againne.” “A dhuine! am beil sin mar sin” ars an gille “cuin a chaill sibh bhur Coirneal.” Nithe Nuadh Agus Sean. Cha ’n ’eil aon chuid cridheachan matha no tuigse mhath aig luchd-tuaileis. Cha ’n ’eil e ceart gu ’n dìteadh sinn neach ’s am bith nach ’eil ’s an làthair gu dhìon féin. Cha ’n fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid. Seachain, mar a sheachaineadh tu an nathair, an neach a sgrìobhas gu mi-mhodhail, ach fathast a labhras gu milis. Cha ’n ’eil aoidhealeachd ’na dearbhadh gu ’m bheil an inntinn aig fois, oir is tric “am meadhon gàire gu ’m bheil an cridhe dubhach.” Tha trì nithean ro dhuilich ann, sgeul rùin a ghleidheadh, càineadh no lochd a dhìchuimhneachadh, agus feum math a dheanadh a dh’ ùine a bhitheas aig neach dha féin. Air do Phlato cluinntinn gu ’n robh naimhdean aige a labhair gu h-olc mu dhéibhinn fhreagair e, “Bithidh mo chaithe-beatha air dhòigh ’s nach creid neach ’s am bith iad.” Seachain an t-sùil a dh’ aithnicheas an t-olc gu luath agus a tha mall a dh’ fhaicinn a’ mhaith. An uair a nì duine dioghaltas, tha e ’g a chur fein ’s an aon inbh r’a námhaid; ach an uair a bheir e maitheanas, tha e an sin a’ toirt grad bhuaidh air, agus a’ cur éibhle teine air a cheann. [TD 372] [Vol. 3. No. 47. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, AM MAIGH 25, 1895. Bha tuiltean mòra ann an Austria toiseach na seachdain so. Dh’ at na h-aimhnichean cho mòr ’s gu ’n do chuir iad thairis ann an iomadh àite, a deanamh call mor air bàrr, air tighean, ’s air saibhlean. Cha chuala sinn gu’n d’ rinneadh call beatha sam bith. Cha ’n eil e idir coltach gu’u tig Newfoundland a stigh ri Canada air an turus so, dh’ aindeoin na bha de bhruidhinn mu thimchioll. Tha chuid a’s mò de mhuinntir Newfoundland calg-dhireach an aghaidh aonadh ri Canada air chor sam bith, agus ’se ’n fhior eigin a bheireadh orra aontachadh ris. Agus air an làimh eile, cha’n eil Canada idir cho ullamh gu gabhail ri Newfoundland no gu tairgsean matha thoirt dhith ’sa bha i aon uair. Tha’n tairgse thug Canada do Newfoundland air an turus so, agus an tairgse thug Newfoundland do Chanada‘ glè fhad o chéile, agus mur toir Canada tairgse na s fhearr na thug i, no mur bi Newfoundland riaraichte leis na’s lugha na dh’ iarr i, cha bhi an t-aonadh ann idir. Bhiodh e gun teadamh ’na ni briagha na bhuineas do Bhreatuinn de dh’ fhearann cheann-a-tuath America fhaicinn ’na aon dùthaich, agus tha mòran ann aig a bheil làn dhùil ris an latha anns an tig sin gu crich, ach cha’n eil cinnt sam bith againn gu’m bi sin mar sin an da latha so. Agus cha’n eil fhios nach eil sin a cheart cho math. Sgeul Goirid, Firinneach. Bha ann an eilean Mhuile dithis fhear. B’e ainm aon diubh, Dughall Mac-na-faiche; ainm an fhir eile, cha ’n fhios domh. Bha Dughall cleachdta ri dol do ’n chladh a ghearradh feoir. Cha robh so taitneach le ’choimhearsnach agus bha e toileach stad a chuir air gearradh an fheoir. Dh’ fhalbh e agus dh’ fholoich se e fein foidh aon de leacan a’ chladh, agus rinn e an rann a leannas an uair a thainig Dughall le ’choran ’n a laimh: “Co thug dhuitse Dhughaill ordugh Air tighinn a bhuain feoir do ’n àite so? Fuirich bhuamsa fad an iaruinn, ’S na bi ’tigh ’n siar air mo charnan. Chunnaic mise uair de ’n t saoghal, ’N uair ’bha Clann-a-Baoth ’s an àite; Dh’ fhalbhadh iad ’s an coin air iallan, ’S bhiodh iad a fiadhach ’s a’ bhraighe; Thigeadh iad, ’s an daimh air iomain, Seachad muineal Chnoc-tabhaid; Ruigeadh iad Tom-Fhinn na h-aibhne, ’S bhiodh iad ’g an roinn air an cairdibh. Cha robh brailis, leann no caochan, Aig daoine ri fhaighinn ’s an al sin, Ach meadraichean mora foidh’n cobhar De bhainne na gobhar bana, ’s a Dhughaill tarr as.” Le so a chluinntinn do Dhughall chlisg a chridhe ’n a chom ’s cha ’n fhacas tuille ’s a’ chladh e. Tha ’n Dotair Domhnull Mac Ghriogair fear-pàrlamaid Siorrachd Inbhirnis an Alba, an deigh ’àite anns a phàrlamaid fhalamhachadh. Tha e ’n deigh so a dheanamh a chionn nach eil an luchd-riaghlaidh a toirt ceartas d’ an Ghàidhealtachd no a deanamh laghannan a gheall iad a dheanamh nuair a fhuair iad an dreuchd. Tha ’n t-side a cumail glé bhriagha. Cha b’ urrainn i bhi na b’ fhearr air son fiar us fochann a thoirt air adhart. Thuit frasan mòra uisge toiseach na seachdain a thug an deagh bhogadh dh’ an talamh. Rinn an soitheach-smùid Marion a ceud thurus troimh na Lochan Dior-daoin. Dh’ fhàg i Sidni aig naoidh uairean agus chaidh i direach gu Baddeck, agus as a sin gu St. Peters agus gu Caolas Chanso. B’e ’n dé co-rinm latha-breith na Ban-righ, agus bha na stòraichean ’s na taighean-gnothuich uile dùinte, agus bha h-uile duine gabhail an latha air an socair. Cha robh dad a b’ fhiach a dol air adhart ach mar a bh’ ann bliadhnaichean roimhe. Airson Crup, Minard’s Honey Balsam. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Fear-iomaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SYDNEY,—C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 373] [Vol. 3. No. 47. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thàinig Dr Frank Rossin, ann an Charlottetown ri bheatha fhéin o chionn ghoirid le deoch phuinnseanta ghabhail. Bha e glé throm air an ol. Thuit deich òirlich de shneachda ann an ceaina de Mhichigan air an t-seachdain s’a chaidh. Bha stoirm mhor ann aig an àm cheudna. Tha tuathanaich Mhanitoba glé fhaisg air bhi ullamh dhe ’n churachd. Tha ’m fochann cho fada so glé ghealltanach, agus mur tig gaiseadh sam bith air, bidh an deagh bhàrr ann ’s an fhoghar. Rinn an reothadh a bh’ ann toiseach na seachdain s’a chaidh milleadh mòr air fochann ’s air feur ann an ceann an iar Ontario. Mhill e moran de na measan cuideachd. ’S ann ’san dùthaich timchioll air Hamilton a rinneadh an call bu mhò. Fhuaireadh fear Edward Daniels ann an siorrachd Lunenburg, marbh ann am pàirce choille a bha e losgadh o chionn seachdain. Anns an t-sionachd cheudna, chaidh nighean bheag, aois shia bliadhn’ deug, a losgadh gu bàs anns a choille far an robh i ’g obair air deanamh siùcair. Tha eilean beag air cladach a deas Nova Scotia (Oak Island) anns a bheil a reir an t-seanachais, móran airgid am falach. Tha cuideachd bheairteach ag obair air cladhach ann o chionn bhliadhnaichean, ’s cha d’ fhuair iad ni fhathast ach tha iad a’ deanamh deiseil gu ionnsuidh eile a thoirt air am bliadhna. Chaidh tigh a chur ’na theine ann an Toronto air an t-seachdain s’a chaidh, agus loisgeadh e gu buileach, maille ris gach ni a bha ’na bhroinn. ’Se so an treas no’n ceathramh teine a bha air a fhadadh le lamhan dhaoine anns a bhaile sin air an earrach so, agus tha làn am a bhi faighinn a mach cò tha ris. Tha còrr us sia fichead mile ’sa tri (125,000) de dh’ Innseanaich ann an Canada, eadar Ceap Breatunn us Columbia Bhreatunnach; agus tha còrr us da cheud ceithir fichead us ceithir mile (284,000,) dhiu anns na Stàitean. Eadar an da dhùthaich, tha tri cheud, tri fichead us deich mile (370,000) de dh’ Innseanaich. Tha àireamh mhath dhiubh air an calldachadh, ach tha chuid a’s mò dhiubh cho fiadhaich ’sa bha ’n aithrichean. ’S math le muinntir na dùthcha so a bhi gu tric a’ sealltuinn ris na Stàitean mar dhùthaich anns a bheil a ghnàth tuarasdal math air a thoirt do’n luchd-oibreach. Ach cha’n eil na tuarasdail cho math sin aig na h-uile. Tha moran de dh’ fhactoridhean ann am baile New York, anns a bheil fir us mnathan ag obair air son eadar dolair gu leth us ceithir dolair ’san t-seachdain, agus aca ri oibreachadh ceithir-uairean deuga na h-uile latha! Tha ’leithid sin ’na chùis-nàr do dhùthaich cho mòr ’s cho beairteach ris na Stàitean. BAIS. Air taobh de as an Eilein Mhoir, air an 12rra latha dhe’n Mhaigh, Ceit Nic Griogair, bean Uilleim Mhic Coinnich 69 bliadhn dh’ aois. Aig Drochaid an Aiseig, Mira, air an 17mh latha dhe’n Mhàigh, Caitriona Nic-a-Phiocair, (nighean Iain) 32 bliadhna dh’ aois. Ann an Sidni, air an treas latha dhe’n Mhàigh, Fionghall Nic Odrum, bantrach Phadruig Mhic Fhearghais, Cariboo Marsh. 74 bliadhna dh’ aois. Dh’ fhuiling i moran mu ’n do chaochail i, agus ghiulain i a tinneas le foighidin. Bha i re a beatha fo eagal Dé, agus choilionadh an gealladh dhi. ’Nuair bhios tu ’dol troimh na h-uisgeachan, bidh mise maille riut.” Tha a càirdean ’ga caoidh, ach cha ’n ann mar ni iadsan aig nach eil dòchas, oir, “is beannaichte na mairbh a gheìbh bàs anns an Tighearna.” S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 07 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART, INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 374] [Vol. 3. No. 47. p. 6] SPIORAD NA H-AOISE. SEANN SGEULACHD GHAIDHEALACH—LEIS AN DR. MACLEOID, NACH MAIREANN. Bha ann roimhe so, air chul Beinne-nan-Sian, aireach ghabhar d’ am b’ ainm Gorla-nan-treud, aig an robh triuir mhac agus aon nighean. Bha buachailleachd nam meann an earbsa ri ailleagan an fhuilt oir. Latha de na laithean, an uair ’bha i ’mach ri uchd na beinne a’ buachailleachd nam meann, theirinn badan de cheo druidheachd cho geal ri sneachda na h-aon oidhche, agus air dha iadhadh mu ghuala na beinne, chuairtich e an t-ailleagan aonaranach, ’s cha’n fhacas i na ’s mo. An ceann latha ’s bliadhna ’n a dheigh sin, thuirt Ardan, mac mor an airich, “A’ bhliadhna gus an diugh dh’ falbh mo phiuthar, ailleagan an fhuilt oir, agus is boid a’s briathra dhomh-sa nach dean mi fois no tamh, a latha no dh’ oidhche gus an lorgaich mi ’mach i, ’s bithidh mi air cho-dhiol rithe fhein.” “A mhic,” arsa’ athair, “ma bhoidich thu sin cha bhac mise thu; ach bhuineadh dhuit, mu ’n deachaidh am focal a d’ bheul ciad d’ athar iarraidh. Eirich a bhean, agus deasaich bonnach do d’ mhac mor, a’s e ’dol air thurus fada.” Dh’ eirich a mhathair agus dheasaich i bonnach mor agus bonnach beag. “A nis,” ars’ ise, “a mhic, an fhearr leat am bonnach mor ann am feirg do mhathar air son thu dh’ fhalbh gun chead, no am bonnach beag le ’beannachd?” “Dhomh-sa,” ars’ esan, “am bonnach mor, ’s gleidh am bonnach beag ’s do bheannachd dhoibh-san a roghnaicheas iad.” “Dh’ falbh e: agus ann am prioba na sul’, bha e a sealladh tigh ’athar. Chuir e sad a’s gach lodan agus o bharr gach tomain; bha e dian-astarach gun chaomhnadh air bonn no eang, no ruighe, no feith. Bheireadh esan air a’ ghaoith luaith Mhairt a bha roimhe, ach a’ ghaoth luath Mhairt a bha ’n a dheigh, cha bheireadh i air. Mu dheireadh bhuail acras e. Suidhear air cloich ghlais a dh’ itheadh a bhonnaich mhoir; thigeadh fitheach dubh an fhasaich agus suidhear air sgorr creige os a cheann. “Mir, mir, a mhic Ghorla-nan-treud,” ars’ am fitheach. “Mir cha ’n fhaigh thu,” arsa mac Ghorla; “mir no deur cha ’n fhaigh thu uamsa, ’bheathaich ghrainde stur-shuilich, star-shuilich, lachduinn; tha e beag na ’s leoir dhomh fein.” ’N uair bha sud thar bearradh a chleibh, ghluais e ’rithist gu siubhal nan eang—bheireadh esan air a’ ghaoith luath Mhairt a bha roimhe, ach a’ ghaoth luath Mhairt a bha ’n a dheigh cha bheireadh i air. Chriothnaich a’ mhointeach mar a dhluthaich e oirre—thuit an druchd o ’n fhraoch bhadanach ghorm, agus theich an coileach-ruadh do ’n chàthar a b’ airde. Bha toiseach aig an fheasgar air ciaradh—bha neoil dhubha, dhorcha na h-oidhche a’ tighinn, agus neoil shioda, sheimh an latha a’ triall; na h-eoin bheaga, bhuchullach, bhachallach, orbhuidhe ’gabhail mu thamh ann am bun nam preas ’s am barraibh nan dos anns na h-innseagan laghach, ’s gach ait’ a b’ fhearr a thaghadh iad; ach ged a bha, cha robh mac mor Ghorla-nan-treud. Chunnaic e tigh beag soluis fada uaithe ’s ge b’ fhada uaithe cha b’ fhada ’g a ruigheachd. ’N uair a chaidh e stigh, chunnaic e seann urra choltach de dhuine mor, toirteil, liath, a’ gabhail socair shàsda air beinge fhada air dara taobh an teine, agus gruagach dhreachmhor a cireadh cul dualach a leadain oir, air an taobh eile. “Gabh a nios, ’oganaich,” ars’ an seann duine, ’s e ’g eirigh; “’s e do bheatha. ’S minic a thalaidh mo leus loinnreach, astaraiche nam beann. Gabh a nios, ’s leat blàs agus fasgadh, ’s gach cobhair a tha ’m bothan an t-sleibh. Dean suidhe; ’s ma ’s miann leat, cluinnear do sgeul.” “’S olach mise,” arsa mac mor an airich, “a tha ’g iarradh cosnaidh—thalaidh do leus loinnearach mi a dh-iarraidh blàs agus fasgadh na h-oidhche.” “Ma dh’ fhanas tu agam-sa,” ars, ’n seann-duine, “gu ceann bliadhna, a bhuachailleachd mo thri mairt mhaol’, odhar, gheibh thu do dhuais, a’s cha bhi fath talaich.” “Cha b’ e mo chomhairle dha,” arsa nighean an fhuilt oir ’s na cir’ airgid. “Comhairle gun iarradh.” arsa mac mor Ghorla, “cha robh meas riamh oirre. Gabhaidh mi do thairgse, a dhuine—ann an camhanaich na maidne, ’s mise do ghille.” Roimh langan an fheidh ’s a’ chreachann, bhleodhainn gruagach an fhuilt oir ’s na cir’ airgid, na tri mairt mhaol’, odhar. “Sin iad agad a nis,” ars’ an seann duine; “gabh m’ an cul—lean iad—na pill iad—na bac iad—iarradh iad an ionaltradh fhein—’s leig leo imeachd mar is aill leo—fan thus’ as an deigh—agus thigeadh aon ni ’thogras ann ad rathad, na dealaich thusa riutha—biodh do shuil orra agus orrsa-san a mhain; agus a dh-aon ni g’ am faic thu no g’ an cluinn thu, na toir suil air. So do dhleasnas—bi dileas—earb á m’ fhocal—bi saoithreach, ’s cha bhi do shaothair gun duais.” Dh’ fhalbh e mu chul na spreidhe, agus lean e iad. Cha robh e ach goirid air falbh, ’n uair a chunnaic e coileach oir agus cearc airgid a’ ruith roimhe air a’ bhlàr. Ghabh e air an toir; ach ged a bha iad a nis agus a rithist, air leis, ’n a ghlaic, dh’ fhairtlich air gramachadh orra. Phill e air ’ais o ’n t-siubhal fhaoin, agus rainig e ’n t-aite ’s an robh na tri mairt mhaol’ odhar ag ionaltradh agus thoisich e ’rithist air am buachailleachd; ach cha b’ fhada bha e air an cul ’n uair a chunnaic e slatag oir agus slatag airgid a’ cur nan car dhuibh air an reidh lean, agus ghrad thoisich e air an ruith. “Cha ’n fhaod e bhith,” ars’ esan, ‘nach iad so a’s usa ’ghlacadh na na h-eoin a mheall mi o cheann ghoirid.” Sinear as ’n an deigh; ach ged bhiodh e ’g an ruith fhathast, cha bheireadh e orra. Thug e ’bhuachailleachd air; agus mar a bha e ’leantuinn nam mart maol, odhar chunnaic e doire coille air an robh na h-uile meas a chunnaic e riamh, agus da mheas dheug nach fhac e. Toisichear air e fhein a shasachadh leis na measaibh—thug na mairt mhaol,’ odhar an aghaidh dhachaidh, agus lean e iad. Bhleodhainn gruagach an fhuilt oir iad, ach an aite bainne cha d’ thainig ach nus glas. Thuig an seann duine mar a bha; “Olaich gun fhirinn ’s gun dilseachd,” ars esan, “bhrist thu do ghealladh.” Thog e a shlacan-druidheachd—buailear an t-oganach, ’s deanar carragh cloiche dheth, a sheas tri laithean a’s tri bliadhna ri taobh an teine ann am bothan an t-sleibh, mar chuimhneachan air bristeadh focail, agus co-cheangail fasdaidh. ’N uair a bha latha ’s bliadhna eile air dol seachad, thuirt Ruais ruadh, mac meadhonach Ghorla, “Tha da latha ’s da bhliadhna air dol seachad o ’n a dh’ fhalbh mo phiuthar aillidh, agus tha latha ’s bliadhna o ’n a dh’ fhalbh mo bhrathair mor; ’s boid a’s briathar dhomhsa imeachd an diugh [TD 375] [Vol. 3. No. 47. p. 7] air an toir, agus an co-dhiol a bhi agam.” Ceart mar thacair do ’n bhrathar a bu shine anns gach doigh, mar sin thachair do ’n mhac mheadhonach; agus ’n a charragh cloiche tha esan an ceann tighe bothain an t sleibh, mar chuimhneachan air bristeadh focail, agus co-cheangail fasdaidh. Latha agus bliadhna ’n a dheigh so, thuirt am mac a b’ oige—Caomhan donn an aigh—“Tha ’nis tri laithean agus tri bliadhna o ’n a chaill sinn mo phiuthar aillidh. Dh’ fhalbh braithrean mo ghaoil air a toir.” ’Nis, ’athair, ma ’s deonach leat-sa, ceadaich dhomh imeachd ’n an deigh ’s an co-dhiol a bhi agam—agus na deanadh mo mhathair mo bhacadh. Guidheam ur cead—na diultaibh mi.” “Mo chead ’s mo bheannachd tha agad, a Chaomhain, ’s cha bhac do mhathair thu.” “An deasaich mise,’ ars’ a mhathair, “am bonnach mor as eugmhais mo bheannachd, no am bonnach beag le durachd mo chridhe agus deothas m’ anama?” “Do bheannachd, a mhathair, thoir thusa dhomh-sa; agus beag no mor a thig ’n a chois, tha mise toillichte—bu bhochd leam oighreachd an t-saoghail mhoir ’s do mhallachd ’n a lorg. Air beannachd mathar, ’s mi nach dean tair.” (Ri leantuinn.) Tha fhios agam gu leighis Minard’s Liniment Amhach Ghoirt. French Village. IAIN D. BOUTILIER. Tha fhios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an Crup. Cape Island. I. F. CUNNINGHAM. Tha fhios agam gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a th’air thalamh. I. A. SNOW. Norway, Me. Airson domblasachd, Minard’s Family Pills. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND &CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 376] [Vol. 3. No. 47. p. 8] IAIN GILPIN. Iain Gilpin bha ’n a bhuirdeiseach, Bu mhor a chliu, ’s a ni; Gu ’n robh e uair ’n a cheannard-ceud, Am baile-mor an righ. Thuirt bean Iain Ghilpin la r’a gradh, “M’ aighear thu ’s mo chiall, Ged tha sin fichead bliadhna posd’, La feill’ cha d’ ghabh sinn riamh. “’S e ’m maireach la co-ainm ar bainns’ Theid sinn gu sugradh ’mach, ’Sios gus an ruig sinn Edmonton, An carbad le da each. “Mo phiuthar, a’s a leanabh mic, Mi fein ’s mo thriuir le cheil’, ’S a’ charbad theid, a’s leanadh tus’ A’ marcachd as ar deigh.” “A bhean mo ghaoil!” ghrad fhreagair e “Dhuit fein gu ’n d’ thug mi gradh Os ceann gach te a tha fo ’n ghrein, A’s gheibh thu mar is aill. “Tha mise ’m mharsanta gu bheachd, Mar ’s aithne do gach neach; ’S mo charaid maith Tom Callander Bheir iasad dhomh d’ a each.” “Piseach ort,” ars’ is’ “a ghraidh, A ’s o ’n tha ’m fion cho daor, Gu ’n toir mi leam mo shearrag fein, O ’n ’tha e maith, a’s saor.” Thug Iain sgailce poige dh’ i, Mar b’ abhaist dha gu tric; Oir bha e subhach, toilichte, I bhi cho crionna, ghlic. Thainig an carbad ’nuas gu moch ’S a’ mhaduinn mar a gheall; ’S air falbh ’n a dheann ruith ghabh e leo, Troimh eabar, a’s troimh pholl. Bu shiubhlach luath na cuibhleachan, ’S a’ chuip mu chluas nan each, Le gleadhraich shaoileadh tu gu ’n robh An cabhsair as a bheachd. Sheas Iain Gilpin taobh an eich, A’s ghlac e mhuing gu deas; Ach ’s gann a fhuair e suas gu h-ard, ’N uair b’ eiginn teachd air ’ais. Cha luath’ a rain’ e ’n diollaid shuas, Le ’thulchainn air an each. Na chunnaic e triuir cheannaichean D’a bhuth a’ dol a steach. Theirinn e, a’s cha b’ ann d’ a dheoin, Oir bha e dian gu falbh; Ach leis an t-sannt cha duraichdeadh e ’N sgillinn ruadh a chall. Bu mha’inneach na ceannaichean, Bha greis mu ’n robh iad reidh; ’N sin Beati ghlaodh a mach gu h-ard. “Dh’ fhagadh an fion ’n ur deigh!” “’Nall e!” ars’ Iain, “’s maith an t-am; Thoir dhomh a nuas mo chrios, Crios leathair mo dheadh chlaidhimh gheir, N’ uair bha mi ’m shaighdear deas.” Bha aig bean Gilpin (lamh a’ ghrunnd!) Da shearraig laidir ghlais, ’S am b’ abhaist dh’ i an deoch a b’ fhearr A chumail teann fo ghlais. Bha aig gach searraig dhiubh fa leth, Da chluais tre ’n deach’ an crios; A’s chroch e iad mar sin r’ a thaobh, Te dhiuhh air gach leis. ’N a dheighidh sin, a chum ’s gu ’m biodh E sgeadaichte le sgoinn. A chleoca maiseach sgarlaid ghabh, A’s thilg e air a dhruim. Faic e ’nis ’n a dhiollaid shuas, Air muin an steud eich dhuinn, Ag imeachd air a’ chabhsair chruaidh Gu socrach, a’s gu ciuin. Ach ’n uair a fhuair e ’n t-slighe reidh Fo ’bhrogaibh cruidheach cruaidh Le sitrich dh’ fhalbh gu trotan garbh ’Ruisg masan Iain thruaigh. “Gu reidh,” ars’ Iain, “deis de! eich dhuinn:” Ach labhair e gun fheum, O throtan chaidh gu dian-ruith luath, Gun suim do mhuiseal srein’. Chrom e ’sios, mar d’ fhimìreas iad Nach urrainn suidhe ’suas, Ghlac e muing an eich gu teann, ’S e ’dol a nis ’n a luath’s. An t-each a mhothaich air a dhruim Uallach cho deacair ur, Theich e le geilt; ’s mar theich e, dh’ fhag An saoghal air a chul. Air falbh chaidh Iain ’n a shradaibh dearg’, Air falbh chaidh ’n ad ’s a’ ghruag; Is beag a shaoil an duine coir Dol air a’ leithid de ruaig. Chaidh coin gu tathunn, ’s clann gu sgriach, Bha cinn a mach ’n an ceud, A’s ghlaodh gach aon, le ’uile neart, “’S tu fhein an gill’, a steud!” Air falbh chaidh Iain, co ach e! Na miltean air a thoir; “Is reis tha ’n so! ’s cha lugha ’n geall, Na mile bonn de ’n or!” ’S a nis, ’n uair dhluthaich e gu dan’ Air luchd na cise cruaidh, An tiota thilg iad fosgailte A’ chachaileith ga luath. ’N uair chrom e sios os ceann an eich Le ’cheann ’n a smuidibh teth, Bhuail an da shearraig rir a chul, A’s spealg ’n am mile bloidh. Bu mhuladach an sealladh so, Am fion dearg mar a dhoirt, ’Thug smuid á cliathaich an eich dhuinn, Mar cheithreamh muilt-fheoil roist’. Gidheadh bha e mar mharcaiche, A’ ruith na reis le ’chrios, A’s amhach na da shearraig ghlais, As udal air a leis. (Ri leantuinn.) SIOL CUR. COIRCE Dubh a Eilean a Phrionnsa, dhe ’n t-seorsa ’s fhearr, air son siol-cur, ’ga chreic aig D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, 1895. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidui, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; [TD 377] [Vol. 3. No. 48. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cuinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 1, 1895. No. 48. DOIGHEAN NAN “MAORIES.” Ged tha ’n dùthaich so blàth, grianach, gu h-iongatach, cha ’n eil measan no cnothan sam bith a’ fàs innte gu dùthchasach. Agus ged tha sin mar sin cha ’n eil crabh a’ fàs ann nach bi gach bliadhna fo blàth. Cha’n eil ann ni’s mò beothach fiadhaich no nimheil sam bith, ach aon seòrsa de rodan beag a thàinig ann leis na “Maories.” Tha maorach agus iasg glé phailt, ach an deigh sin, cha robh teachd-an-tir na Maories, mu’n d’ thàinig na daoine geala, ach gann. Tha e air a dheanamh a mach gu’m b’e ’n t-acras a bha ’toirt orra bhi ’g ithe chéile ’s na a-amannan sin, agus cha’n eil e idir ao-coltach. Bhiodh iad mar an ceudna ’g itheadh ’n rodain, ’ga ghlacadh le bhi cladhach sluichd dhomhain air a’ chladach, as nach b’ urrainn na creutairean leum aon uair ’s gu rachadh iad ann. Tha cnuimheag mhòr anns an dùthaich, mu thri no ceithir a dh’ òirlich a dh’ fhad, agus bi’dh iad ’ga h-ithe sin cuideachd. Tha iad ri ’m faotainn ann an tuill an craobhan àraidh; theid an gearradh ’nam mirean beaga, ’s an cur air sreangan mar ghriogagan. Théid an sin an crochadh os ceann an teine ’s an ròsdadh, agus ’nuair a bhios iad bruich, tha iad ni’s blasda na shaoileadh sibh. Tha aon seòrsa bidh aca tha gle phailt, ’se sin freumhan an rainnich (pteris esculenta,) ach tha obair mhor air a dheasachadh. Tha ploc lomaidh aca, coltach ri ploc air son lomadh an eòrna, ’s bidh iad ’ga oibreachadh mar dh’ obraicheas leigh air measgadh phurgaidean. Leanaidh iad air gus an toir iad as na bhios de bhrigh ann. Tha ’n stuth ’na ghné car coltach ri Arrowroot. Tha e ’n sin air a dheanamh na aran mòr garbh, agus mur biodh “gur math an còcaire ’n t acras,” cha’n e h-uile fear ris an còrdadh e. A thuilleadh air freumh an fhrainnich, tha crobh rainnich ann (cyathea medullaris) ris an abair na Maories “Mamuka.” Tha a chraobh so a’ fàs le stoc àrd, agus na geugan a fàs trom ’na mullach. Tha a’ gheug òg a tha togail ceann ’na fior mhullach, sleamhuinn, glaodhach, agus gle thaitneach ri itheadh, agus ’nuair theid a ròstadh, tha e mòran na’s blasda. Tha craobh eile fo’n ainm “Nikau,” anns a bheil deagh beathachadh. Tha i ’fàs mar tha chraobh rainneach, agus car coltach ri craobh phailm. ’S e craobh phailm New Zealand a theirear rithe. Bithear ag itheadh nan geugan òga bhios a fàs á cridhe na craoibhe. Tha e briagh, geal, na ribinnean dlùth ri chéile, agus gle mhilis, ach ’s gann a chumadh e duine beò. Tha duilleagan us geugan na “Nikau” neo-chumanta feumail air son tubhadh thaighean, agus ro dheiseil anns a’ choille. Theid bothan dionach, fasgach, a thogail leotha ’n ùine gle ghoirid. Sguir na Maories a dh’ itheadh nam freumhan so ’s cuid de na nithean eile dh’ ainmich mi. Tha nise pailteas airgid aca air son biadh a cheannach. Tha tuilleadh agam ri ràdh mu’n deobhainn, ach cha’n eil ùine agam an dràsda. Tha mi ’g earbsa sgriobhadh thugaibh an ùine gun bhi fada rithist. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z. Litir o Chabar-Feidh. Bha a’ Chomh-sheirm Ghaidhlig a dh’ ainmich mi anns an litir mu dheireadh a chuir mi thugaibh air a cumail air oidhche Diardaoin agus tha mi glé thoilichte innseadh dhuibh gu ’m beil an soirbheachas a bha na cois ’na aobhar iongantais agus ’na aobhar toileachais do gach neach aig an robh lamh anns a’ ghnothach. Tha nise tri bliadhna bho thoisich buill a’ Chomuinn so (an Class Gaidhlig) air seinn nan oran Gaidhlig mar choisir agus cha ’n e ’mhain gu’m beil iad fein a fas ni’s fhearr air na h-orain a sheinn ach tha ’mhuinntir a tha gabhail tlachd ann a bhi tighinn ga ’n eisdeachd a dol an lionmhorachd gach bliadhna. Bha ’n aireamh a chruinnich as gach cearn de’n bhaile air oidhch Diardaoin gu math thairis air tri chiad agus cha’n eil teagamh sam bith agam nach fheum iad dol gu talla ni ’s mo an ath bhliadhna. Bho “Ordugh na Comh-sheirm” chi sibh nach robh facal againn ach a’ Ghaidhlig bhinn bhlasda agus is i mo bharail fhein gur ann an so a tha fior neart a’ Chomuinn a laidhe. Chuir iad rompa bho’n toiseach nach bitheadh iad an eisemeil na Beurla air dhoigh sam bith agus tha ’n soirbheachas a lean iad gu ruig so a dearbhadh gu’n robh iad ceart. Anns an ni so cha’n urrainn domh gun a bhi ’gan samhlachadh ri MAC-TALLA fhein. Fhad ’s a chumas iad le cheile, Bheurla mach buileach glan, cha bhi eagal sam bith orm d’ an taobh ach leigeadh iad aon uair an namhaid a steach agus cha bhi iad fada dol fodha. Tha mi cur thugaibh an ‘Comhradh’ eadar Domhnull MacAoidh agus Alasdair Hepburn an dochas gu’n taitinn e ri bhur leughadairean cho math ’s a thaitinn e riusan a chuala e air Diardaoin. CABAR FEIDH. Lunnuinn, 11, ’95. P. S.—Bithidh mi fada nur comain ma chuireas sibh thugam urrad ’s is urrainn duibh de aireamhan 41 agus 42 anns am beil oraid an Leighich MacIlliosa. Bha stoirm mhor thàirneanach ann am baile New York Di-luain, beagan an deigh meadhon latha. Mu’n do thòisich na tairneanaich, bha dorchadas mor ann, a lean fad leth-uair. Bha ’m baile fad na h-ùine, cho dubh, dorcha, ’sa bhiodh e air a mhiadhon oidhche. An deigh nan tàirueanach, shil fras throm de dh’ uisge. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor. [TD 378] [Vol. 3. No. 48. p. 2] CADAL. An do thréig thu ’nochd mo chluasag ’S mi ’s an t-seòmar fhuar leam fhìn? Thig air sgiathan sèimh do shuaimhneis, ’S dùin mo shùil an suain na sìth. Tàlaidh mi gu tìr nam bruadar, Far nach cluinn mi fuaim na strìth; Far nach fhaic mi bròn no buaireas, ’S amhgharan an t-sluaigh ’g an claoidh. Treòirich mi gu tìr mo shòlais, ’S dachaidh m’ òige an tìr nam beann, ’S anns an taisbeanadh mi ’còmhradh Ris an òigridh chaomh a bh’ ann. Ann an aisling chiùin na h-oidhche, Foillsich dhomh mar ann an dealbh, Laithean sona, subhach, aobhneach, Bh’ agam leis a’ chloinn a dh’ fhalbh. Sinn a mireag mar a b’ àbhaist, Air an àilean fhalain ùr; ’S mu na preasan duilleach blàthmhor Eòin nan àrd a’ seinn dhuinn ciùil. Thus’ a charaide nan truaghan, A thiormaicheas bho ’n gruaidh na deòir, ’S tu bheir furtachd bho gach buaireadh Agus uallach a bhios oirnn. ’N uair bhios trioblaidean mu ’n cuairt duinn, ’S na neòil ghruamach os ar cinn, Mar an long air feadh nan stuadhan, Air ar luasgadh anns na tuinn. Thig thu ’n sin mar léigh nam buadhan, ’S bheir thu fuasgladh dhuinn ’na thràth, ’S cha bhi cuimhn’ air strìth nan cuantan ’Na do chluainibh tairis tlàth. O! na tréig an nochd mo chluasag, ’S mi cho tiamhaidh fuar leam fhìn; Thig air sgiathan sèimh do shuaimhneis, ’S dùin mo shùil an suain na sìth. N. MACLEOID. Bho ’n Chamus. Is mòr an gliocas a nochdaicheas, air amanan, cuid de na h-ainmhidhean agus de na h-eòin. Na’m biodhmaid a’ gabhail sàr-bheachd orra an dràsd’ agus a rithisd, mar a tha iad ’g an gluasad fhéin, mara chuidicheas iad a chéile, agus na h-ionnsaidhean bearraideach a bheir iad air tighinn á cunnart, ’s ioma dearbhadh làidir a gheibheadhmaid air an tùr neo-chearbach a bhuilich an Cruthadair orra, air gach aon diubh, air reir a staide agus fheuma. Bha seann duine còir, air an robh glé eòlach, a dol sgrìob uair san latha do ’n t-sabhal, le pàisde de dh’ ogha dha a choimhead air nead gobhlan-gaoithe, a bha air a togail gu snasail gu h-àrd ri mullach an t-sabhail. Bha ùis mhor aige de ’n nead agus de na bha na broinn air sgàth an tolieaacheaid a bha e toirt do ’n òganach a bhi ’dol tric a choimhead orra. Ach latha latha de na làithean, de bu mhò chuir a dh’ ìoghnadh air na an t-enn fhaicinn mar gu ’m bitheadh e ’na shuidhe gu socrach, beagan amach bho dhorus na nide. Dhìrich e suas gu fàillidh, agus fhuair e gur ann a bha ’n t-eun truagh an sas ann a lion an damhain-allaidh! Shaothraich am beathachan sin gu dian fad na h-oidhche a deilbh ’s a fighe, ’s a cur ri cheile na rib ìnnleachdaich a rinn e laidir gu leòir, mu ’n d’ thàinig a’ mhaduinn, gu stad a chur air an eun bhochd, neo-chiontach, anns a chiad ghluasad a bh’ aige mu shoillearachadh an latha. Bha an damhan-allaidh gu trang a cur tuilleadh cheangalaichean mu thimchioll, a’ gabhail gu snasail aig ceann gach snàthlainn, agus a deanamh gach dòigh a b’ fhearr a shàoileadh e leis an cumadh e aig am prìosanach. Cha’n ’eil teagamh na ’m biodh an t-eun air oidhirp laidir a dheanamh, anns a’ cheud dol amach air faighinn ma sgaòil, nach deachaidh leis; ach a nis, eadar mìomhagh agus cion bidh, bha e sior dhol ni bu laige, agus gu cinnteach, mar a bitheadh an seann duine air tighinn an rathad, bhàsaich e anns an lion. ’Nuair a theann an duine suas ni b’ fhaisge, mhothaich an t-eun da, agus leis an eagal a ghabh e roimhe (ged ’s e fhior charaide’ bh’ ann) chaidh e gu leithid de leumadraich ’s de spriodadh ’s gu’n d’ fhuair e ma sgaoil. Tha an sgéula beag so na dheagh shamhla air mar tha gu tric ag éiridh dh’ an pheacair. Tha e ’n toiseach a’ tuiteam ann an lion a’ pheacaidh. An sin, an àite grad oidheirp a’ thoirt air tighinn as, ’s ann a tha e gu mi-fhortanach a’ deanamh ionnan cadail ann. Tha na subhailcean gach la fàs ni ’s laige agus buaidh an droch spioraid thairis air a sior dhol ni ’s treise, gus mu dheireadh a’ bheil e ’na trhàill. Cha lagha na gràsan sònraichte bho Dhia ni ’n uair sin a’ thionndadh gu slighe ’Cheartais. Tha tuathanach gasda, beagan mhìltean as an so, aig am beil a bharrachd air spreidh eile, sgaoth de chearcan. Cho cùramach ’s ga robh e mu ’n deibhinn, ’s cho blàth ’s ga robh an sabhal, bha reothadh mìllteach a gheamhraidh a’ cromadh arra. Chaill té no dha dhiubh an cìrean, chaill feadhainn eile dhiubh na spògan, ach bha aon té bhòidheach na ’m measg a chaill, gu tubaisteach, an gob. Dh’ fhalbh am beul iosal gu buileach, agus leis an eis so bha e eu-comasach dhi i fhéin a chuideachadh aig àm bidh. Dh’ aindeon gach cùise, tha i fhathasd beò, slàn, agus cho coltach ri h-aon de na cearcan eile. Thuig an coileach mar a dh’ éirich dhi, agus chuir e roimhe nach bitheaidh uireasbhuidh lòin oirre co dhiu. Aig gach àm a bhitheadh an tuathanach ’g an biathadh, thogadh an coileach lan a ghuib de ’n bhuntàta no de ciod sam bith a bhiodh ann, agus dh’ fhalbhadh e leis far am biodh a chearc so. ’Nuair a chitheadh ise ’tighinn e, dh’ fhosgladh i a beul agus leigeadh easan am biadh gu cùramach, seòlta sios na sgornan. Le bhi freasdal mar so air a chirc, ’s ro mhinig a bhitheadh e fhein falamh mur a biodh gu ’n robh an tuathanach a’ deanamh seol air beagan a chur na rathad air deireadh gun fhios do chàch, agus ’s ro-mhath a choisinn e ’dhuais. Tha an cùram a bh’ aig a choileach so dh’ an chirc na dheagh leasan daibhsan a bhios a deanamh tàir air daoine bochd, uireasbhach, agus leis nach fiu bruidhinn caoimhneil riutha gun tighinn air cuideachadh leotha; agus tha e rithisd na dhearbhadh air an t-suim bu chòir a bhi aig gach uachdaran agus duine saibhear de gach aon tha fo’n cùram no a bhuinneas daibh ann an doigh sam bith. Ma ni sin ar dleasnas annsan doigh so le bhi cuideachadh na feumach agus na feadhnach sin nach urrain iad fhein a chuideachadh, agus sin leis an inntinn cheart, cha ’n eil teagamh nach faigh sin, ann an deagh àm, duais mhath bho ’n tì sin ’tha uile-fhaicsinneach. [TD 379] [Vol. 3. No. 48. p. 3] Bha, o chcann bliadhna no dha, aig coimhearsnach dhuinn cat mor, briagha a bha na dheagh shealgair. Bhitheadh e a chuid bu mho de’n latha anns an t-sabhal no am muigh air feadh nam pàircean a sealg luch agus eun. Air feasgar araid bha e sràidmeachd sios ri taobh callaid ann an iochdar a bhaile a’ sealltuinn a null ’sa’ sealltuinn a nall fiach am faiceadh e créutair sam bith a ghlacadh e ’s a ghiùlaineadh e dachaidh a dh’ ionnsaidh an àil oig a dh’ fhag e an ceann na bà-thigh. Bha ’n t-anmoch a nis a’ tighnn,—bha na h-eoin bheaga air gabhail gu fois, bha na luchan duilich amas orra, ach fhathasd bha ’n càt a cumail air adhairt gu faighdinneach ann an làn mhisnich gu’n amaiseadh créutair beag air choireigin ris an ùine gun bhi fada. Anns a cheart am sgiath comhachag mhòr a nuas as an t-suamp agus laidh i air craobh fagus do ’n àit anns an robh an cat a’ sealgaireachd. Mhothaich i do ’n chat; agus an déigh dhith a bhi ’smaòinteachadh ’s a beachdnachadh car tacain, cho-dhùin a’ ghloic bhochd gu’n rachadh aic air a chàt a ghlacail, agus rinn i i fhéin deiseil gus an ionnsaidh a thoirt. Thug i ’n toiseach sitheadh, uair no dha, sios far an robh an càt, sgiathadh i mu ’n cuairt da mar gu’m biodh i ’g iarraidh cothrom air; ach an uair a chitheadh I ’n càt a tienndadh mu ’n cuairt cho clis agus colg a mhi-fhortain air, threigeadh a misneach i, ’s thilleadh i air ais far an robh i roimhe. Ach ma dheireadh, ’nuair shaòl leatha bha ’n càt as umhal thanig i nuas ma mhullach a chinn cho luath ri saighead, chuir i na spògan an greim ann, thog i e suas bho ’n làr agus dh’ fhalbh leis gu sunndach. Ach cha b’ fhada gus an deachaidh moille air astar na comhachaig. Cha b’ fhada gus na thuig i gu ’n robh rud ri iarraidh anns a chàt, agus bhitheadh i cuibhteas a gle thoileach a nise, na’m b’ urrainn di. An sin, thòisich an ceol ’s an dol mu’n cuairt gu h-ard, agus bha e soilleir gur i ’n t-sabaid a bh’ann. Cha b’ fhada gus na theann iad ri tearnadh, agus ann an tiota bha iad le cheile air an lar ’s greim aig a chat gu teann air sgornan na comhachaig. ’Nuair a rànig an duine far an robh iad bha ’chomhachag marbh. Bha ’n cat ann a fiamh mòr, ach a mach air a sin fhein cha’n aithnicheadh duine gu’n d’ rinn a thuras do na spéuran a bheag de mhilleadh air. Mar a dh’ eirich dha ’n chomhachaig, ’s ann gu ro mhinig tha ’tachairt dha ’n fheadhainn a bhios a feuchainn ri gnothuch mor no togail a dheanamh a tha fada bhos cionn an neairt na ’n comais. Tha iad sin gu tric a cur an làmh na’m bàs fhéin. Ann an gnothach cunnartach sam bith, dh’ aindeoin cho buaireanta ’s ’g am bi a chuis, mur eil neach ro chinnteach as eolas, fhiosrachadh agus a chomas fhein bitheadh e cuibhteas an gnothuch sin; agus leis sin a dheanamh seachnadh e ioma trioblaid inntinn ’s cuirp, agus gun teagamh ’sam bith cha bhi an t-aireachas air air a cheann ma dheireadh. SEANA-GHIULLAN. Comhradh eadar “Alasdair nan Oran” agus “Domhnull Piobaire.” ALASDAIR.—Am faod e bhi gur e seo mo shean charaid Domhnull Piobair? ’S ann a chuala mise gu ’n deach thu air t-ais do ’n Ghaidhealtachd o chionn seachduinn. DOMHNULL.—Ged is mor m’ fhadal gu faighinn air ais a dh’ ionnsaidh Tir nam Beann cha d’ thainig e riamh a teach orm gu ’m fàgainn am baile gun oidhche chuir seachad an cuideachd Alasdair Oig nan Oran. ALAS.—Tha mi gle thoilichte nach d’ rinn thu dichuimhne orm oir cha’n fhaigh mi naigheachdan mu nithe Gaidhealach bho neach sam bith mar gheibh mi uatsa. Feuch an innis thu dhomh a nise ciamar a tha ath-bheothachadh na Gaidhlig a’ dol air aghaidh. DOMH.—Cha’n ’eil moran agamsa ri ’innseadh dhut air nach ’eil fhios agad cheana oir cha mhor naigheachd is fhiach a h-aithris nach fhaigh thu anns a’ phaipeir-naigheachd Ghaidhlig mu ’n robh sinn a bruidhinn an uair mu dheireadh a chunnaic sinn a cheile. ALAS.—’S i an fhirinn a th’ agad an sin agus bithidh mi gu brath ’na do chomain airson gu ’n d’ thug eolas dhomh air a’ phaipeir ghasda sin. Tha e tighinn thugam á Ceap Breatuinn gu riaghailteach a h-uile seachduinn. DOMH.—Tha mi an dochas gu ’m beil thu ga shealltuinn do do chairdean oir tha mi cinnteach gu ’m beil moran Ghaidheal anns a’ bhaile so a chuireadh ’ga iarraidh nan robh fios aca gu ’n robh a leithid ann. ALAS.—Faodaidh tu bhi cinnteach nach ’eil mi ’call cothrom sam bith air sin a’ dheanamh, ach fhad ’s a bhitheas cuimhne agam air, innis domh de thatair a’ deanamh anns a’ Ghaidhealtachd airson ar cainnt a’ chumail beo. Am beil na sgoilean anns am beil i air a teagasg a’ dol an lionmhorachd? DOMH.—Cha ’n ’eil urrad air a dheanamh anns an dòigh sin ’s a bu choir, ach cha ’n ’eil teagamh nach ’eil aireamh mhath de ’n chloinn ’g a h-ionnsachadh. A bharrachd air sin tha mi cluinntinn gu ’m beil moran de dh’ uaislean na tire a’ faicinn cho gearr-sheallach ’s a bha iad roimh so ann a bhi cur dimeas air cainnt an t-sluaigh agus gu ’m beil iad a toirt oidhirp air a h-ionnsachadh. ALAS.—Mata, shaoilinn fhein le ’n cuid fhoghluim agus ionnsachadh gu ’m bitheadh iad air sin fhaicinn o chionn fhada. Tha mi lan chinnteach nam bitheadh iad air cumail suas na Gaidhlig agus air leantuinn ri cliu an sinnsear le bhi ’gabhail tlachd ann am maith an t-sluaigh nach faiceamaid urrad de dhragh agus de aimhreit eadar thuath agus uachdarain ’s a chithear ’s an latha ’n duigh. DOMH.—Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil thu ceart anns na tha thu ag radh oir is minic a ghabh mi beachd air cho beag suim ’s a tha’ mhor chuid de uachdarain an latha ’n diugh a gabhail de ’n t-sluagh a tha comhnaidh air an cuid oighreachdan. Tha iad ceart coma de dh’ éireas do na daoine bochda fhad’s a gheibh iad fein pailteas mail chum a chaitheamh gu stroiceil anns a’ bhaile mhor os fhein neo an tiribh ceine. ALAS.—Cha ’n ionann ’s mar a bha cuisean anns na laithibh a dh’ fhalbh ’n uair a bha na h-uaislean a labhairt cainnt an t-sluaigh agus co-fhaireachdainn aca riu anns gach cruadal a thigeadh orra. Ach ’s math leam a’ chluinntinn gu ’m beil na h-uile coltas air gu ’n d’ thoir ar cainnt mhathaireil iad fhathast ni ’s dluithe d’ a cheile. DOMH.—Tha e toirt misneachd mhor dhuinn anns a’ Ghaidhealtachd a bhi cluinntinn gu ’m beil Gaidheil a’ bhaile seo cho dileas air taobh ar seann chanain, gu dearbh ’s ann a bhitheas naire oirnn air uairibh ’nuair a leughas sinn mu choinneamhan aig nach labhrar focal ach Gaidhlig agus mu cho-sheirmean far nach bi aite idir air a thoirt do’n Bheurla mhosaich. ALAS.—’S e farmad a ni treobhadh; tha mi ’n dochas gu’n lean sibh an eiseamplar a tha sinn a thoirt dhuibh agus ma leanas theid mi ’n urras nach gabh sibh gu brath aithreachas. [TD 380] [Vol. 3. No. 48. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IUN 1, 1895. Bha duin’-uasal a falbh ann an carbad uair, agus gille Eirionnach còmhla ris. Thàinig iad, air an turus am fianuis croiche. “A Phàruig,” arsa ’n duin’-uasal, “am beil thu ’faicinn na croiche?” “’S mi tha,” arsa Pàruig. “Càit am biodh tusa ’n diugh,” ars an duin’-uasal, na’m biodh a cuid fhéin aig a’ chroich?” “Bhitheadh direach far am beil mi,” arsa Pàruig, “ach ’si mo bharail gu’m bithinn leam fhin.” Litir a Siam Fhir-deasachaidh ghradhaich:—Tha mi ’faotainn a MHAC-TALLA gu riaghailteach a h-uile seachduin, agus tha e ’na chuideachadh math dhomh. Creidimh mi, cha’n eil dad a chumas beò an seana spiorad Gàidhealach ach paipearan Gàilig, agus daoine ’ni an dleasnas, agus a labhras, agus a sgriobhas an cànain. Leugh mi litir mo charaid ionmhuinn “Cabar Féidh,” agus mo thruaighe, is fior an sgeul a bh’ aige. Cha’n eil ann am moran de na Comunnan Gàidhealach ach an t-ainm. Mo chreach, ’s muladach an gnothuch e. Tha moran de mhuinntir mo dhùthcha coltach ri Sasunnaich ’s na h-uile dòigh. Tha Beurla gle thric aca; tha iad fuar; tha nàire orra Gàidhlig a bhruidhinn. Nam biodh iad gaolach air Gàidhlig cha bhiodh MAC-TALLA cho beag sa tha e an diugh. Is narach nach ’eil tuilleadh Ghaidheal ga cheannach. A rud cheart cho olc tha daoine leughadh a phaipeir nach ’eil a’ pàigheadh ro ealamh; gu cinnteàch tha ’n sean spiorad air faondradh. Tha mi cur airgiod thun “Cabar Feidh” airson MAC-TALLA eile; tha e dhith air mo bhràthair. Thubhairt e rium gu robh e toileach fhaotainn. Dh’ innis mi dha gu robh e cuideachadh a Ghàidhlig a chumail beò h-uile uair a leughadh e MAC-TALLA. Bitheamaid dileas agus cha’n eagal gun teid Gàidhlig air chùl. So rannan a rinn Donnachadh Bàn nan Oran: “’S i ’s binne bhi ga h-éisdeachd, Thuirt beul na chuala cluas; Their Albainn agus Eirinn, Sasunn fein, gur mor a luach; Aon duine aig am bi feum orra, Cha treig e i air duais; ’S i chùis is fearr gun d’ éirich i, An deis a bhi na suain. Bu mhor an beud gu ’m basaicheadh A’ chànain is fearr buaidh, ’S i ’s treis thort greis air abhachd, ’S a h’uil àit ’n teid a luaigh; S i ’s fearr gu aobhar-ghaire, S i ’s binne blàithe fuaim; ’S i ceòl nam piob ’s nan clarsach Luchd dha a’s dheanamh dhuan. S i ’s fearr gu togail ìnntinn, Le binn-ghuth còmhradh tláth, S i ’s sgaitiche gu mi-mholadh A’s ’s mìne nochdas gràdh; ’Nám cruinneachadh nam milltean, Le piob gu iomairt lann. ’S dhuisgeadh colg air oigridh, ’Nuair thogte seòl ri crann.” Tha ’m bard a sgriobh sin a’ labhairt na firinn. Cha leig na Gàidheal air di chuimhne an cainnt gu bràch. Ged bhios moran nan naimhdean tha buidheann eile tha deanamh mar dh’ iarr am bard n’ uair thubhairt e: “Lean gu dluth ri cliù do shinnsir, agus na dibir bhi mar bha iad.” Nis thig an litir mearachdail so gu stàd agus tha’n t-àm. Gheibh sibh naigheachd bhuam latha eigin gun teagamh. Failt, gradh agns ioma deagh dhòchas á Siam thugaibh! Is mise, RAIBEART, OGHA DHUGHAILL MHOR ’IC LACHLUINN ’IC THEARLAICH ’IC LACHLUINN. Bangkok, Siam, 7, 4, ’95. Airson domblasachd, Minard’s Family Pills. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh esachd. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, & c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-iomaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SYDNEY, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 381] [Vol. 3. No. 48. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha ’n t-iasgach gle mhath mu chladaichean Newfoundland, ach leis cho gann ’sa tha ’n t-airgead ’san dùthaich, cha’n urrainn uiread ’sa b’ àbhaist de na h-iasgairean a dhol a mach. Thachair sgiorradh grànda ann a Fredericton, N. B,. air an t-seachrdain s’a chaidh. Thuit gille beag a bha ’g obair ann am muilinn, air sàbh ’s e air obair, agus ghearradh an ceann dheth. Rinn reothadh na seachdain s’a chaidh milleadh mor air measan ann an cuid de na Stàitean. Bha na dearcan fiona air an tur mhilleadh, agus cha bhi feum sam bith anns na suidheagan as a dheigh. Chaidh fear Aonghas Mac Aonghais a dhroch leònadh air an rathad-iaruinn aig Méinn Victoria Di-luain s’a chaidh. Thuit e bhar a charbaid ’s chaidh e fo na cuidhlichean, agus bha ’lamh ’sa chas air am bristeadh. Tha ’m flùr a sior eirìdh ann am pris. Tha e ’n diugh eadar dolar us dolar gu leth na’s daoire na bha e toiseach an earraich. Tha lof arain anns a bhaile so a nise seachd sentichean an àite sia sentichean. Tha ’n cruithneachd a creic ann an Canada air dolar am buiseal. ’S fhada bho na chunnacas ceud mhios an t-samhraidh anns an dùthaich so cho briagha, blàth, agus cho fàbharrach air a h-uile dòigh, ’sa bha e ’m bliadhna. Tha na tuathanaich glé fhaisg air bhi ullamh dhe’n churachd, agus tha gach ni a tha ’fàs a’ sealltuinn cho math ’s cho adhartach ’sa dh’ iarradh iad. An deigh so, a tòiseachadh Di-luain s’a tighinn, cha’n fhàg an carbad-iaruinn Sidni gu aon-uair-deug ’sa mhaduinn, agus bidh e air ais aig cairteal gu naodh ’san oidhche. Bi’dh sin moran na’s freagarraiche na mar tha e ruith an dràsda ’s tha sinn an dòchas gu lean iad air a ruith mar sin fad a gheamhraidh cuideachd. Tha an trosg glé ghann mu na cladaichean air an t-samhradh so, ’s cha’n eil na h-iasgairean a deanamh cho math ’sa b’ àbhaist daibh. Tha ’n giomach gu math pailt. Tha sgùla mor de rionnach air bualadh air cladach an iar Nova Scotia; chuireadh còig ceud deug barailte dheth air falbh gu Boston o chionn ghoirid. Tha ’n Dotair Buchanan ri bhi air a chrochadh aon uair eile. Thugadh a mach binn a chrochaidh da uair roimhe so ach le innleachdan nam fear-lagha, fhuair e as cho fada so. Tha nise bhinn air a toirt a mach aon uair eile, ’s mur tig dad ’san rathad bidh e air a chur gu bàs toiseach Iulaidh. Tha e a sior dhol as àicheadh gu robh làmh sam bith aige ann am bàs a mhna. Tha e ’g ràdh nach robh duine sam bith coireach ri ’bàs. Airson Casadaich, Minard’s Honey Balsam. Tha bàt-aiseig ùr a nise ’ruith eadar an dà Shidni. Cha’n eil e uiread ris a “Pheerless,” ach tha e ’na dheagh bhàta. Tha iad ag ràdh gu bheil am fear leis an leis e a’ dol ’ga ruith air an t-Sabaid cuideachd. Tha chuid a’s mo de mhuinntir an da bhaile ’n aghaidh sin, agus cha’n eil teagamh nach sguir e ’ga ruith an ùine ghoirid. Tha latha mòr gu bhi aca ann an Louisburg air an t-seachdamh latha deug dhe’n mhios so. Tha comunn as na Stáitean a’ dol a chur suas càrn mor mar chuimhneachan air toirt a mach Louisburg. Tha cuid de Fhrangaich Chanada glé fhad an aghaidh leigeadh leotha a chur suas, agus b’ àill leotha luchd-riaghlaidh na dùthcha bacail a chur orra. Ach cha ’n eil e coltach gu’n cuirear dragh sam bith orra. Airson biastan, Cherokee Vermifuge. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 07 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan, Pinn, Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART, INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 382] [Vol. 3. No. 48. p. 6] SPIORAD NA H-AOISE. SEANN SGEULACHD GHAIDHEALACH—LEIS AN DR. MACLEOID, NACH MAIREANN. (Air leantuinn.) Thog Caomhan donn, mac Ghorla nan-treud, air ’s mar a bha tigh ’athar ’s a mhathar ’g a fhagail ’s a’ cheo, bha ’chridhe lan. Thug e gu siubhal nan eang—ruigear doire nan earb—suidhear fo chraoibh a dh’ itheadh a’ bhonnaich sin a dh’ fhuin a mhathair chaomh dha. “Mir, mir,” arsa fitheach dubh an fhasaich; “mir dhomh-sa, Chaomhain, ’s mi fann.” “Gheibh thu mir, a bheathaich bhochd,” arsa Caomhan, “’s docha gu ’m bheil thu na ’s feumaiche na mi fhein—foghnaidh e dhuinn le cheile—tha beannachd mathar ’n a chois.” Dh’ eirich e, ’s ghabh e air a thurus. Ghabh e fasdadh aig an t-seann duine; agus dh’ fhalbh e a bhuachailleachd nan tri mart maol’, odhar. Chunnaic e ’n coileach oir ’s a’ cheare airgid, ach thionndaidh e air falbh a shuilean; lean e ’n spreidh—chunnaic e ’n t-slatag oir agus an t-slatag airgid; ach chuimhnich e a ghealladh, ’s cha deachaidh e air an toir. Rainig e an doire—chunnaic e ’m meas a bha boidheach, aillidh do ’n t sealladh; ach cha do bhlais e e. Ghabh na tri mairt mhaol’, odhar seachad air a’ choille, ’s rainig iad aonach farsuing air an robh falaisg—am fraoch fada r’ a theine—ghabh iad g’ a ionnsuidh. Bha ’n fhalaisg a’ sgaoileadh air an raon a bagairt e fhein ’s na mairt mhaol’, odhar a losgadh: ach ghabh iad troimpe—cha d’ fheuch e am bacadh, oir b’ e so an gealladh a thug e; lean e iad troimh ’n teine, ’s cha do loisgeadh roinne ’dh fhalt a chinn. Faicear ’n a dheigh sin abhuinn mhor a bha air at le tuiltibh nam beann. Thairis oirre ghabh na mairt mhaol’, odhar, agus as an deigh ghabh Caomhan gu ceo-sgathach. Tiota beag ’n a dheigh sin, faicear tigh aoraidh geal, boidheach air reidhlein uaine, ri cul gaoithe ’s ri aodann greine, as an cual’ e fuaim nan dana milis agus nan laoidhean binne. Luidh an spreidh air a’ bhlar, ’s chaidh Caomhan donn a stigh a dh’ eisdeachd sgeul an aigh. Cha b’ fhada ’bha e ’g eisdeachd teachdaireachd an aoibhneis, ’n uair a thainig oganach guanach a stigh air dorus an tigh-aoraidh, le suil bhuaireasaich a’s ’anail ’n a uchd, a dh-innseadh gu ’n robh an crodh maol, odhar anns a ghart agus e ’dhol a mach g’ an saodachadh as. “Imich uam,” arsa Caomhan: “b’ usa dhuit-sa, ’bhobaig, an cur as thu fhein, na ruith mar so ’s an anail ad uchd, a thoirt an sgeoil a ’m ionnsuidh-sa—eisdidh mise na briathran taitneach.” Tiota beag ’n a dheigh sin, thainig an t-oganach ceudna air ’ais—buaireas a’s boile ’n a shuil agus anail ’n a uchd:—“A mach, a mach, a mhic Ghorla-nan-treud,” ars’ esan, “tha na coin againn-ne a’ ruagadh do chuid mart—mur bi thu ’mach am prioba na sul’, cha ’n fhaic thu ’n t-ath-shealladh dhiubh.” “Air falbh, a bhobaig,” arsa Caomhan donn, “b’ usa dhuit-sa do chuid chon a chasgadh na teachd mar so ’s an anail ’ad uchd g’ a innseadh dhomh-sa. Eisdidh mise teachdaireachd an aoibhneis.” ’N uair ’bha an t-aoradh seachad chaidh Caomhan a mach, agus faighear na tri mairt mhaol’, odhar a’ cur an sgios, gun ghluasad as an aite ’s an d’ rinn e ’m fagail. Dh’ eirich iad agus ghluais iad air an t-slighe dhachaidh, agus lean Caomhan iad. Cha b’ fhada bha e air an cul, ’n uair a chunnaic e machair fharsuing cho lom ’s gu ’m faiceadh e ’n deaig a bu chaoile air an lon lar; agus mhothaich e capull agus searrach og meamnach, lughmor ag ionaltradh, agus iad cho reamhar, fheolmor ri ron a’ chuain mhoir. “Tha so iongantach,” arsa Caomhan donn. Faicear tiota beag ’n dheigh sin, machair eile, fo bharr fasaich, air an robh capull agus searrach nach seasadh minidh nan cuaran ’n an druim leis a’ chaoile. Faicear ’n a dheigh so, lochan uisge, agus moran a dh-oigridh aoibhinn, aighearach, ur, aillidh, ag imeachd le caithream bhinn, agus ’n am buidhnean ait, a dh-ionnsuidh ceann ard an lochain, gu tir na greine, fo sgaile nan craobh a bu chubhraidh boltrach: chual’ e torman nan allt a bha ’n duthaich na greine—ceileirean nan eun—fonn theud air nach robh e eolach, agus inneil chiuil nach cual’ e riamh roimhe sin. Mhothaich e buidhnean eile de mhuinntir thruaigh a’ triall gu ceann iosal an lochain do thir an dorchadais. B’ eagalach an sgreuch a thog iad—bu chulaidh-oilt am bas-bhualadh bronach. Bha ceo agus neoil dhorcha thairis air a’ triall, agus chuala Caomhan tairneanach trom. “Tha so,” ars’ esan, “da-rireadh iongantach.” Lean e na tri mairt mhaol’, odhar. Bha ’n oidhche ’n sin a’ cur roimpe ’bhi fiadhaich, gun bhrath air fasgadh no fardaich anns an cuirte seachad i, ach co ’thachair air Caomhan ach madadh na maoile moire? agus cha luaithe ’thachair na thug an co-dhalaiche coir, agus an deadh bhiadhtaiche dha cuireadh ’s cha b’ ann gu gnu, doichiollach, ach gu fiughantach, fial, e ’chur seachad tri trianan d’ a sgios agus an oidhche air fad maille ris. Fhuair Caomhan gabhail aig’ air an oidhche sin gu maith carthantach maille ri madadh na maoile-moire, ann an uaimh thioraim, gun tighinn-fodha no thairis—na ’m foghnadh sin a’s feoil mhilis, uanach, mheannach, gun dith, gun ghainne, gun dolum; agus an am falbh ’s a’ mhaduinn, gu leoir air son turuis an latha. “A ’nis,” arsa madadh na maoìle-moire, “slan leat a Chaomhain! Soirbheachadh leat ge b’ e ait’ an teid thu—sonas ’n ad shiubhal ’s ’n ad ghluasad. Thairg mi aoidheachd, ’s cha do dhuilt thu i; ghabh thu gu cridheil, sunndach na thairg mi: chuir thu oidhche seachad ann an uaimh madadh na maoile-moire—dh’ earb thu as—naisg thu a chairdeas, agus cha mheallar thu. A nis thoir fainear mo bhriathan. Ma thig cas cruaidh no eiginn gu brath ort, anns an dean luas coise agus gniomharan eusgaidh feum dhuit, cuimhnich air madadh na maoile-moire—miannaich e ’s bithidh mise ri d’ thaobh.” Dh’ amais an cairdeas agus an fhialachd cheudna ris an ath oidhche o ’n t-sar-bhiadhtaiche iomairteach, shiubhlach, fitheach dubh choire-nan-creag, air nach luidheadh an cadal, agus air nach eireadh a’ ghrian, gus am biodh aige na dh’ fhoghnadh dha fein agus dha-san a thigeadh s’ a dh’ fhalbhadh. Gu gearrleumnach, clapartach, sglathach, rinn e ’n t-iul da air choraibh sgeithe troimh aisridh chasa-gabhar gu còs sgorra dhionaich creige, far an d’ iarr e air tri trianan d’ a sgios agus an oidhche gu leir chur seachad maille ris. Fhuair e gabhail aige ’n oidhche sin gu maith ’s gu ro mhaith comhla ri fitheach dubh choire-nan-creag, na ’m foghnadh feoil a’s sithionn; agus an am falbh ’s a’ mhaduinn thuirt e ris, “A Chaomhain mhic Ghorla-nan-treud, thoir leat na dh’ fhoghnas air do thuras—cuid a’ choigrich cha d’ ionndraich mi riamh;—agus cuimhnich mo bhriathran deireannach. Ma [TD 383] [Vol. 3. No. 48. p. 7] thuiteas dhuit a bhi ’n càs no an eiginn gu brath anns an dean sgiath laidir agus misneach nach dibir, feum dhuit, cuimhnich orm sa: ’s blath do chridhe, ’s caoimhneil do shuil—dh’ earb thu thu fein riumsa—bheathaich thusa fitheach an fhasaich roimhe so, agus roinn thu ris do lon—’s mise do charaid, chuir thu ’n oichche seachad ann an cos nan creag—earb asam.” Air an treas oidhche dh’ amais comhdhail agus biadhtachd nach bu mhiosa air Caomhan o ’n dobhran-donn; an sgorr-shuileach, an siriche teoma, eusgaidh, air nach biodh cuid fir no gille ’dhuth fhad ’s a bhiodh e r’ a fhaotainn rir muir no air tir. Ged nach robh ’n a gharaidh r’ a eisdeachd ach sgiamhail a’s mealanaich chat, a’s bhroc, a’s thaghan, a’s fheocallan, threoraich e e gun sgath, gun eagal, gun sgiansgar, gu taiceil foghanta, raideil—gu roibeanach, bior-shuileach, mion-eolach, gu beul cuirn, far an d’ iarr e air tri trianan d’ a sgios agus an oidhche gu h-uile ’char seachad comhla ris. Neo’-ar-thaing mur d’ fhuair e gabhail aige ’n oidhche sin comhla ri dobhrandonn an t-srutha, an sior shiubhlach, na ’m foghnadh iasg de gach seorsa ’b’ fhearr na cheile—agus leaba thioram, sheasgair, de dhreamsgal ard-lain stoirme reothairt, a’s feamainn-chirein an dubh-chladaich. “Cuir seachad an oidhche, ’Chaomhain,” arsa ’n dobhrann-donn; “’s e lan dith do bheatha. Caidil gu samhach; ’s fear faire furachar an dobhran.” (Ri leantuinn.) Airson Crup, Minard’s Honey Balsam. Tha fhios agam gu leighis Minard’s Liniment Amhach Ghoirt. French Village. IAIN D. BOUTILIER. Tha fhios agam gu leighis MINARD’S LINIMENT an Crup. Cape Island. I. F. CUNNINGHAM. Tha fhios agam gur h-e MINARD’S LINIMENT an leigheas a’s fhearr a th’air thalamh. I. A. SNOW. Norway, Me. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 384] [Vol. 3. No. 48. p. 8] IAIN GILPIN. (Air a leantuinn.) Mar so troimh bhaile Islington, Faic e le mire ’triall, A ’s fos a suas troimh Edmonton, ’S a stigh feadh lub nan giadh. ’S ann an sin bha ’phlubartaich, ’S an t-each a’ diultadh smachd, Mar sgaoth de gheoidh no ’thunnagan ’G an lubradh fein le tlachd. Aig uinneig ann an Edmonton Gu ’n d’ sheas a bhean a suas, A’s chunnaic i ’dol seachad e Le iongantas a’n luath ’s. “Stad, stad, Iain Ghilpin, so an tigh!” Gu ’n d’ ghlaodh iad uile ris, “Tha ’n dinneir reidh, ’s tha sinne sgith;” “Cha lugh’” ars’ Iain, “tha mis’!” Ach ’s beag an t-suim a ghabh an t-each, De ghlaodh nam ban gu leir, Bha prasach mhaith a mhaighstir fein Deich mil’ air falbh aig “Ware.” Mar shaighead luath o laimh na treoir, O ’n iughar righinn, chruaidh, Gu ’n d’ theich an t-each—’s tha so g am thoirt Gu dara leth mo dhuain. Air falbh chaidh Iain le seideadh ard, ’S gu dearbh cha b’ ann d’a dheoin, ’S aig dorus tigh’ Thom Challander, Gu ’n d’ sheas an t-each fa-dheoidh. ’N uair chumaic esan e mar so, A’ teachd gun ad, gun ghruag, Thilg e ’phiob thomhac air falbh, A’s ruith e ’mach gu luath. “Do sgeul, do sgeul—thoir dhomh do sgeul! Do naidheachd innis dhomh; C’arson a tha thu cean-ruisgte? C’arson a tha thu ’n so? Bha Iain lan a dh’ fheala dha, De shugradh beag, ’s de chleas. ’S a reir so ri Tom Callander, Gu ’n d’ fhreagair e gu deas. “Tha mise ’n so, oir thigeadh d’ each, ’S mur ’eil mi ’m fhaidhe breig’, Bidh m’ ad ’s mo ghruag an so gun dail, Oir tha iad as mo déeigh.” Bha solas air Tom Callander, A charaid ’bhi cho ait, ’S cha dubhairt tuilleadh ris ’s an am, Ach thill e stigh gu grad. ’S a mach gu ’n d’ thug e ad a’s gruag— Gruag mhor nan dualan cruinn, A’s ad a’s gann a chuir e riamh Seachd uairean air a cheann. Chum e suas iad ’s thubhairt e Le feala-dha ’n a chainnt; “Mo cheann-sa tha dha mheud ri d’ cheann ’s, A’s theid iad ort gun taing. “Leig dhomh an t-eabar sin ’s am poll A ghlanadh bharr do ghnuis; Fuirich ri biadh, oir ’s cinnteach mi Gu ’m bheil thu ’call do luis.” “’S e so,” ars’ Iain, “co-la mo bhainns’, ’S bu sgeigeil e ri radh, Gu ’m biodh mo bhean aig Edmonton A’s mise ’n so fo phramh.” ’N sin labhair Iain ris an each, “Tha cabhag orm gu m’ bhiadh; Air d’ ailghios thainig mise ’n so, Theid thus’ air d’ ais do m’ riar.” O! bosd na tubaist’ a bha ’n so, Mar dh’ fhiosraich e gun dail: Oir asail fhad chluasach bha dluth ’Thog raoichdeil choimheach ard. Le srann gu ’n d’ thog an t-each a cheann, Ceart mar roimh leomhan garg; ’S air falbh le ’uile lus a ris, Theich e ’n a shradaibh dearg. Air falbh chaidh Gilpin, a’s air falbh Chaidh ’ad ’s a ghruag ’n an deann; An tiota thuit iad, chionn gu ’n robh Iad momha ’s mor d’ a cheann. ’N uair chunnaic bean Iain Ghilpin e A’ marcachd nuas cho bras, Tharruing i ’n sporan sioda ’mach, ’S bonn leth-chruin thug i as. ’N sin thu’irt i ris a’ charbadair, ’S a cridh’ le iomguin lan, ’Gur leat-sa so, mo ghille gleusd’, A’s thoir air ’ais e slan.” Dh’ fhalbh e, a’s chionnich iad gun dail, A’s dh’ fheuch e ’n t-each a stad, Ach ’s ann a chuir an oidhirp so An rosad air air fad. ’N uair dh’ fhairtlich air na bha ’n a bheachd A chur a nis an gniomh; Gu ’n d’ chlisg an t-each, ’s air falbh gu ’n d’ theich Na ’s luaith’ na rinn e riamh. Air falbh chaidh Gilpin, a’s air falbh An carbadair cho bras, Gun straoidhlich chuibhleachan ’n a dheigh Gu meamnach a’ dol as. Bha seathnar uaislean ’chunnaic e A’ teicheadh air an each, ’S an gille-carbaid air a thoir, Gu ’n d’ ghlaoidh iad uile ’mach. “Meirleach! meirleach! glacaibh e!” Gu ’n d’ ghlaoidh iad dh’ iarraidh foir, A’s dh’ fhalbh iad fein ’s na chunnaic e ’N an teann-ruith air a thoir. ’S a rithist dh’ fhosgladh dha gu luath Cachaileith mhor na cis’; Oir shaoil na daoine, mar air tus, Gu ’n rohh e ’ruith na reis. Bha e mar sin, a’s choisinn e; Oir fhuair e buaidh le ’luath ’s; Cha d’ rinn e stad gus ’n d’ rainig e An t-ait’ an deach’ e suas. Nis seinneamaid fad shaogh’l do ’n righ. ’S air Gilpin gu ’n robh agh; ’S an ath uair theid e ’chur na reis, Bu mhaith leam fein ’bhi lathair! SIOL CUR. COIRCE Dubh a Eilean a Phrionnsa, dhe ’n t-seorsa ’s fhearr, air son siol-cur, ’ga chreic aig D. F. Mac RATH, Baddeck, C. B., Mai 6, 1895. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidui, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4, ’95; [TD 385-392] [No. 49 a dhìth] [TD 393] [Vol. 3. No. 50. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 15, 1895. No. 50. MU IOMPAIREACHD SHINA. Tha an treas cuid de’n chinne-daona gu leir ’s an duthaich fharsuinn so. Eadar dhaoine, mhnathan us chloinn, tha mu cheithir cheud deug muillein pearsa ’s an t-shaoghal; agus dhiu sin tha corr a’s ceithir cheud muillein an Sina amhain, moran tuille na tha ’s an Eorpa gu leir. A reir coltais, bha na Sinich ainmeil bho cheann iomad linn; oir tha am Faidhe Isaiah ga’n ainmeachaidh, (Caibdeil XL 12) am measg nan cinneach a thigeadh gu Criosd. Bho cheann corr a’s da cheud bliadhna, cheannsaich na Tataraich gu tuath orra na Sinich; agus chum iad fo smachd iad gus an latha ’n diugh. Is Tatarach an t-Iompaire ’s a theaghlach, agus moran de na h-ard uaislibh. Tha saighdeirean diu, cuideachd, aig an Iompaire; agus tha pairt mhòr de thir nan Tatarach ’s an Iompaireachd aige. Ach is Sinich a chuid mhòr d’ a shluagh. Tha na Sinich uile coltach ri cheile, am pearsa ’s an intinn. Tha am falt dubh direach, gun lùb gun dual, le feusag dhubh, thana agus sùilean dubha. Tha an craiceann donn dorcha, le aghaidhibh plubach, agus car an aird an taobh amach na sùl. Cha’n eil iad am bicheantas co mòr na co tròm ri Breiteannaich, na idir co laidir no co misneachail. Tha iad seachnach air bainne, ìm a’s caise; ach ithidh iad coin, agus gach sorsa blianaich. ’Se cotain is aodach do ’n chuid mhòr dhiu, ged tha sìde aig na h-uaislibh: oir tha caoirich gann n’ am measg. Tha iad buileach modhail, n’ an doigh fhéin; agus tha e mar fhasan aca brògan beag iaruinn a chuir air na baintighearnaibh oga, agus a cumail orra gus am fas iad suas. Tha so ro phianail do ’n chloinn; agus tha e a cumail an casan gun lùth gun neart; ach cha bhitheadh iad fasanta air dhoigh eile. Chan ’eil nigheanan dhaoine bochda ’g an cur fo ’n chràdh so; agus uime sin tha an casan mar a chuid eile de n’ chinne daona. Tha na Sinich deanadach, siobhalta, agus grunndail; agus uime sin tha moran de na thainig do na Staidean diu a deanamh airgid. Ach tha iad co rùnach mu ’n tìr fhein ’s gum bheil iad a dol air ais co luath ’s a gheibh iad an leoir. Air an laimh eile, tha iad carach, cealgach, an-iochdar. Tha moran diu a tilgeadh amach an leanaban nighinn, gu bàsachadh am feadh ’s a tha iad ro speiseil mu ’m pàrantaibh. Tha iad co féin-speiseil ’s gum bheil iad a sealltuinn sios air a chuid eile de ’n t-shaoghal gu leir; ach fhuair iad dearbha laidir, bho cheann ghoirid, nach eil iad coimeas do dhaoine na h-Eorpa an coga’; oir chaidh an ruaig air am feachdaibh, roi aireamh bheag de naimhdibh. Tha iad buileach fiadhta ri coigrich, air dhoigh ’s gum bheil e cunnartach do dhaoine fuireach ’n am measg; agus chan ’eil doigh air tearantachd ach eagal a chuir orra, le peanas trom, gach uair a ni iad aineart air coigrich. Mu choig bliadhna fichead air ais chreach agus mhort iad moran choigreach aig baile ris an abrar Tien-tsin. Bha Iarla Chlarendon gu mor ri choireachadh airson so. Oir b’e ard-fhear-comhairle na ban-righ mu chuisibh choigreach; agus sgriobh e litir gu righ-theachdaire Bhreiteann an Sina, nach dionadh am feachd Breiteannach an luchd-teagasg Criosdaidh an Sina. Co luath ’s a chuala na Sinich so, ghabh iad misneach, gu droch run an cridhe a chuir an gniomh. Is cinnich dhall na Sinich; ach tha a nis iomad coi-thional Criosdaidh n’ am measg, a chaidh iompachadh bho cheann ghoirid; agus tha iomad teachdaire a searmonachadh an t-shoisgeil dhoibh. Chan ’eil iad idir ro eudar mu ’m baoth-chreideamh fhein. Tha moran diu a deanamh aoradh do thaibhsibh an aithrichean, agus thaobh amach de sin, chan ’eil ach beag aoraidh air bith aca. Tha muilean urnaigh ’s an duthaich; agus tha iadsan a creidsinn gum bheil eifeachd an tilgeadh urnaigh sgriobhta air paipeir anns a mhuilean. Tha iad ag’ radh gum bheil gach car de ’n phaipeir co math ri urnaigh air a toirt suas bho ’n bheul; agus gun teagamh tha sin fior, thaobh urnaighean ri diathaibh breige. Iadsan a Phaigh. M. R. Johnstone, Pon Mor. Domhnull Mac Neacail, Catalone. Eoseph Currie, Forks Shidni. Tormaid Mac Leoid, Narrows Bheaga. Ruairidh C. Mathanach, Grand River. Antoni Mac Fhionghain, Pon Mor. Iain L. Domhnullach, Caledonia. Ailein Mac Asguill, Framboise. Iain Mac Coinnich, Gut Mhira. Gilleasbuig Mac-a-Phiocair, Catalone. Tormoid Mac Leoid, Meinn Victoria. Coinneach Mac Dhiarmaid, ceann Dearg, (90c) Eobhan Moireastan, Marion Bridge, (50c) Gilleasbuig Mac-a-Phearsain, Glace Bay, Calum Nac Leoid, Amhuinn Dhennis, (25c) D. I. Mac Isaic, Edwardsville, Raonull Gillios, Grand Mira, D. H. Mac Fheaighais, Bathurst, N. B. Uisdean Mac-a-Phi, Narrows Creek, P. E. I. I. S. Black, Pomona, Ontario. Frank Anderson, Niagara Falls. D. I. Caimbeal, Hamilton. Donnacha Munro, Cornwall. Frank Domhnullach, Newport, R. I. D. T. Domhnullach, Calumet, Mich. Bean Iain Dhughallaich, Moreton, N. Dka. Bean Dhomhnuill ’Ic Fhionghain, Tomas Friseal, Beauly, Inbhirnis, Alba. Coinneach Domhnullach, Skéabost, Rob Mac Ille-dhuibh, Bangkok, Siam. I. K. Mac Ille-dhuibh, W. I. Domhnullach, Broadview, Assa. Eachunn Ceanadach, Westville, N. S. A reir coltais cha’n eil Ceap Breatunn gu bhi cho aineolach air na Sineich an deigh so, ’sa bha e ’sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha dithis no triùir dhiubh fo’n ainm “Quong Wo” ri nigheadaireachd ann an Sidni bho thoiseach an t-samhraidh, agus a nise, tha feadhain eile fo’n ainm “Wo Sing” a tòiseachadh air an obair cheudna ann an Sidni Tuath. Minard’s Honey Balsam, math gach nair. [TD 394] [Vol. 3. No. 50. p. 2] TEANN SIOS A DHOMHNUILL OIG. Agus bha h-uile fear riamh dhiubh a’ cur na h-aon fhailte chridheil, chaomhneil air fear-an-taighe ’s air bean-an-taighe. Bha h-uile mac mathar dhiubh air an éideadh ann an earradh na h-aon dùthchadh, agus sin a’ comharrachadh a mach, ge b’ e dùthaich do ’m buineadh iad gu robh a luchd-aiteachaidh a cheart cho fada air aghaidh ann am fiosrachadh ’s a bha ’n duthaich do ’m buineadh Domhull òg e-fhein. Bha gach aon de ’n da fhear dheug a’ cur air fear-an-taighe ’s air bean-an-taighe, agus bha gach fear dhiubh ag aithris a sgeoil fhein. Cha robh dad de choltas gu falbhadh iad an oidhche sin. Bha Domhull òg air a leth-thaobh anns an fheur ag eisdeachd ris na chluinneadh e, ag amharc air na chitheadh e, gu bog, balbh, sàmhach, mar gu’m biodh balgum fala ’na bhial. Dh’ fhaighneachd a’ cheud fhear a thàinig a steach de bhean-an-taighe ciod a bh’ aice anns a’ phoit a bh’ air an teine, agus thuirt ise ris gu robh na bha ’dh’ fheoil an taobh a staigh de ’n dorus ann gu suipeir a dheanamh do Dhomhuill òg, a dh’ fhear-an-taighe, agus dhi fhein. “Thut a’s droch uair,” ars’ an darna fear a thàinig a steach, “cha mhor a’s fheairde cuideachd e ’s bu rudeiginn a dh’ aon duine e.” “Is mithich a bhi bogadh nan gad,” ars’ an treas fear, “is beag éis a riugeas sinne leas a bhith oirnn, is iomadh feoil a thug Domhull òg o ’n bhaile a nochd. Cha bheag an t-sreud spréidhe a dh’ fhag e air a’ chnoc ud thall.” A chladhairean,” ars’ an ceathramh fear, “bithibh a gabhail a mach, agus thugaibh a steach an so an ceithir-chasach a’s fhéarr ’s is raimhre ’s a’ bhuailidh.” Leum ceathrar air am buinn cho ealamh ’s ged a thuiteadh sgeith-runnaig bhar aghaidh nan speur, agus cha robh aig Domhull òg ach sealladh a chul nan sàiltean aca a mach an dorus. Cha robh iad fad a muigh an uair a chualas gnòsadaich, is stàplaich is ùpraid a teachd a steach. Co bha ’n so ach an ceathrar spalpairean a chaidh a mach, agus an t-agh bu bhriagha ’bha ’m buaile Mhic-ic-Ailein aca, dithis ’g a dhraghadh, agus dithis ’g a phutadh. Thug am fear a bh’ air ceann shuas na beinge sùil thar a ghuaille, agus thuirt e riutha nach b’ e sid am beathach ceart. Thuirt fear eile gu’m b’ é. Thuirt an ath fhear a b’fhaisge dha air ceann shuas na beinge nach b’ e, ach gur ann a bha ’m beathach ceart ann mart culach, tapaidh le Domhull òg; saill air a druim ’s geir air a broinn, ’s i ’na laidhe ’na h-ónar shìos an ìochdar na buaile. Mu ’m briogadh tu cnò chaidh an ceithir-chasach a bh’ air an urlar a sheoladh ris an dorus. Cheart cho luath ris na seabhaig bha ceathrar eile air am buinn, agus a mach a ghabh iad ’nan deannaibh dearg air thòir bò Dhomhuill òig. Bha Domhull òg bochd ’s an fheur ’s gun diog a’ tighinn as a cheann, agus an an anail an àird a’ chléibh aige leis an eagal. Mu ’n gann a shaoil e gu ’n d’ ràinig iad bha iad air an ais, agus a bhò eatorra. Dh’ fhaighneachd am fear a bh’ air ceann, shuas na beinge a dh’ fhear-an-taighe c’aite an robh a’ chorc ’s gun deanadh iad an gradlubadh air a’ bhoin. Fhuaradh a’ chorc, ach bha i cho maol ’s nach tugadh i strioch air a seicidh. Thuirt am fear a bha ri ’thaobh gu ’m bu neo-choireach dhaibh a bhith ’g a faocnadh air an doigh ud, gu robh deagh sgian gheur ann am pòcaid Dhomhnuill òig air an torr fheoir an ìochdar an taighe, agus gu ’m bu ghoirid bu chòir dhaibh a bhith ’g a toirt uaith. Thug fear dhiubh dudar leum as sìos thun an torr fheoir, ’s chuir e ’lamh am pòcaid Dhomhuill òig, agus mu ’n gann a dh’ fhairich e as aonais i bha i air a sàthadh ann an sgòrnan na bà aige fein. Leis an ùpraid a bh’ ann chaidh Domhull òg gu crith ’s gu gairisinn, agus rinn e air son an dorus a thoirt air. Shliagair e mach mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e; ach an uair a thug e ’shàilean seachad air an fhad-bhuinn bhuall an t-eagal e ni bu mhò na rinn e riamh. Thug e sùil ann am bun na gaoithe, agus chunnaic e gu robh ’n iarmailt a’ teannadh ri glanadh suas ri bunacha bac. Ar leis gu robh e ’n uair sin a’ dlùthachadh air a’ mheadhain-oidhche. Bha na fir a bha ’staigh an uair sin ann am mullach cluich air teis meadhain an ùrlair. Dh’ fhalbh e ceum air cheum ’s e ’n dòchas gu ’m biodh e aig a’ bhaile mu ’n tigeadh camhanaich an latha. Bha e dol air aghaidh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, ’s e ’gearradh shùrdagan thar gach féithe, a cheart cho aigeannach ri fiadh air a reubadh gus an robh e smaointean gu robh leth na slighe ’na dhéigh. Ged a bha ’n oidhche car dorcha, bha beachd math aige air gach cnoc agus slochd, air gach lag, is loch, is allt is féithe, gus an d’ thainig e gu bonn Ruaidhmhail. An uair a chaidh e null air Amhuinn-a’-Chròg dhìrich e suas air gualainn cnocain bhòidhich fhraoich, agus leig e e-fhein air uilinn ’s an fhraoch a leigeil analach. Ged a bha e gun fhoghlum bha e ’na mhàirnealaiche anabarrach math, ’s thug e sùil mu ’n cuairt air ceithir àirdibh an athair, a dhearcadh air na reultaibh, agus air na fir-chlis, a bha teannadh ri dannsadh gu h-aigeannach ann an cridhe na h-àirde tuath. Bha ’n oidhche le dearrsadh nam fear-clis ni bu shoilleire na bha i an uair a dh’ fhalbh e a Roisinnis, agus bha ’n Seachdaran a’ gabhail a chuairt gu sèimh a dh’ ionnsuidh na h-àird an eara-dheas. Chuala e gloc aig coileach na circe fraoiche a’ leum a tom fraoich air bruaich na h-aimhne, agus a’ chailleach oidhche a’brundail dhi fhein air an taobh eile de ’n amhuinn. Ar leis gu ’n cuala e monabhar bruidhne, agus diasganaich anns an aird-an-ear-thuath air. Agus mar a b’ fhearr a dh’ éisdeadh e ar leis gu robh a’ bhruidhinn ’s an diosgan a’ teanuadh ni bu dluithe air. Ged nach robh ’bhruidhinn ro thaisbeanach dheanadh e mach beag air bheag gu robh ’n comhlan bu mhò na bha e ’n toiseach an dùil. Coma co dhiu, bha ’chuideachd a sior theannadh air, air chor ’s mu dheireadh gu ’n d’ rinn e mach gur e torradh a bh’ ann. ’S e bhuail ’s an inntinn aige gur e torradh a thainig bhar cuain a bh’ ann, agus gur ann leis a bha na fir chalma, sgairteil a chaidh do thaigh a’ bhuachaille ann an Roisinnis mu ’n d’ fhalbh e. B’ i cheisd bu dluithe air inntinn, ged a bha e ’g eisdeachd ri ’n còmhradh, cia mar a chuir iad eolas air buachaille Roisinnis ’s air a mhnaoi. An uair a bha iad a’ cromadh a nuas a dh’ ionnsuidh na h-aimhne thuirt fear de na bh’anns a’ chuideachd, a cheathrar a b’ aotruime dhiubh a leum a null air an amhuinn a chum gu ’n gabhadh iad an giulann. Anns an fhacal ’s iad a gearradh sìnteig thar na feithe chuala e brag aig te dhe na spéicean a’ briseadh. “Thut a’s droch uair,” arsa fear dhiubh, “is olc a dh’ éirich e dhuinn; cha ruig sinn Cladh-Chaluim-Chill a nochd.” “A chladhaire bhochd,” arsa fear eile de ’n chuideachd, “is olc a mhisneach a th’ agad. Is math an spéic a ni ’n cuaille math daraich a th’ aig Dòmhull òg air taobh thall na h-aimhne, a thug Mac-ic-Ailein thuige an [TD 395] [Vol. 3. No. 50. p. 3] uiridh a Arasaig.” Ghrad leum fear de ’n cheathrar a bh’ air taobh thall na h-aimhne far an robh Domhull òg, agus spiòn e ’n cuaille as a laimhe, agus chuireadh fo chasan na ciste e. Cha robh aig Domhull òg ach a bhith ’g èisdeachd ris na bha e cluinntinn. Cha bu luaithe ’thainig iad a nall air an amhuinn na chualas an ath bhrag, aig an spéic a bha fo na guaillean a’ bristeadh. “Thut a ’s droch uair,” arsa fear dhiubh, “is bochd mar a dh’ eirich dhuinn. Tha sinn a nis ni ’s miosa dheth na bha sinn riamh. Ciod air an t-saoghal a ghabhas deanamh?” “Ni sinn a’ bheairt a ’s fhearr de na bheairt a ’s miosa,” arsa fear eile “Is math an spéic a ni Domhull òg fhein dhuinn cnagairneach gasda da bhodach làidir mar a tha e. Gabhadh cathrar dhibh far am bheil e, ’s thugaibh a nuas an so e, ’s càiribh guaillean na cisteadh air a’ chaol-druim aige.” Cha bu luaithe a labhradh, na rinneadh mar a dh’ iarradh. Chaidh Domhull òg a sparradh fo ’n chistidh, agus rug dithis air chasan air agus dithis eile air lamhan air, ’s dh’ fhalbh iad leis a’ chistidh gu h-eutrom, aigeannach uallach. Bha Domhull ’s an cridhe gu tighinn a mach air a bheul leis a chudthrom a bh’ air a dhruim, agus leis an eagal a bha ’na chom. Cha b’ e ’n cudthrom bu duilighe dha ach mar a bha na deilg a bha ’n cul-thaobh an briogais an impis a dhol troimh uilt an droma aige. Thuirt am fear a bh’ air deireadh ris an fhear-iuil nach robh iad a gabhail an rathaid cheairt, gur ann a dh’ fheumadh iad tilleadh air a’ chois-cheum cheudna timchioll Ruaidhmhail, agus gabhail a h-uile ceum ri cois cladaich, feuch am faigheadh iad a mach ciod an neart a bh’ ann an Domhull òg mu ’n ruigeadh iad Cladh-Chaluim-Chille. Ge b’ fhada bha Cladh-Chaluim-Chille uapa cha b’ fhada bha iad ’g a ruidhinn. An uair a rainig iad an Cladh chaidh an dithis bu shinne feuch an deanadh iad a mach c’ àite am bu choir dhaibh an uaigh fhosgladh. Sheas an comhlan leis a’ ghiulann agus greim aca air lamhan is casan Dhomhuill òig a cheart cho teann ’s ged a bhiodh iad ann an teanachair a’ ghobha. Theireadh fear gur ann an sid bu choir an uaigh fhosgladh, agus theireadh fear eile gur ann an so bu choir a fosgladh. Lean iad air an fhéicheantas so cho fada ’s nach robh fhios aig Domhull òg, ach gann co dhiu a bha e beò no marbh. Mu dheireadh thall shònraich iad air aon àite. Ach gu tur dona an deigh dhaibh sònrachadh air an aite so cha robh spaid no sluasaid aca a threachaideadh an uaigh. Thuirt fear gu ’m bu bhochd an rud a bh’ ann nach robh dòigh aca air an uaigh a threachaid. Thuirt fear eile gu robh deagh shluasaid ’na seasamh ri ceann taigh Fir-Bhaile-Mhanaich, agus gu ’m bu ghoirid bu chòir a dh’ fhear dhiubh a bhith ’ga h-iarraidh. Dh’ fhalbh fear cho luath ’s a leigeadh a chasan leis, agus cha robh e fada gun tilleadh. Thoisich fear ma seach ri cladhach na h-uaghach. An uaia a bha iad seachd sgith ’ga cladhach thuirt iear gu robh i domhain gu leòr, agus thuirt fear eile nach robh. Arsa ’n treas fear, ’s e ’freagairt, “Cha ’n eil an uaigh domhain gu leòr fhathast; oir feumaidh seachd àirde na cisteadh a bhith innte agus àirde Dhomhuill òig.” Mu dheireadh thall dh’ aidich a h-uile fear riamh gu robh i domhain gu leòr. Fad na h-ùine a bha iad ag iarraidh na sluasaid, agus a’ cladhach na h-uaghach bha chiste air druim Dhomhuill òig mar a bha i roimhe; oir cha ’n fhaoidte a leagail air an talamh gus an leagtadh anns an uaigh i. An uair a bha Domhull òg a’ saoilsinn gu robh e gu bhith saor ’s an cudthrom a bh’ air a dhruim, ’s ann a thòisich dian-chonnsachadh eadar am fear a bh’ aig casan na cisteadh agus am fear a bh’ aig a ceann, fear ag ràdh nach ann an so bu chòir an tiodhlacadh a dheanamh idir, agus am fear eile ag ràdh gur h-ann. Mu dheireadh thall an uair a thug a h-uile fear riamh seachad a bharail mu ’n chùis, dh’ aontaich an àireamh bu mhò dhuibh gur ann an Cladh-Mhuire, ann am Baile-nan-Cailleach bu chòir an tiodhlacadh a dheanamh. Thog iad orra, agus gabh iad timchioll Heidhidh agus mu’n cuairt Rudha-iachdunn-na h-Airde gus an d’ ràinig iad Cladh-Mhuire. An uair a bha iad seachd-sgìth a’ connsachadh mu ’n àite anns am bu chòir dhaibh an uaigh a threachaid ’s ann a chuimhnich iad nach robh spaid no sluasaid aca gus an uaigh a threachaid. Thuirt fear dhiubh nach ruigeadh iad a leas a bhith fada gun sluasaid agus deagh shluasaid ’na seasamh ri taobh an t-sabhail aig Mac-ic-Ailein. Cha robh fear de na bha làthair fada ga h-iarraigh agus thòisich fear ma seach dhiubh ri cur na smùidean os an cionn a’ cladhach na h-uaghach. An uair a dh’ aidich iad uile gu robh i domhain gu leòr, ’s e sin gu robh seachd àird na cisteadh, agus àirde Dhomhuill òig air doimhneachd innte, thoisich dian-chonnsachadh eadar am fear a bh’ aig ceann na cisteadh, agus am fear a bh’ aig na casan. Bha fear ag radh gur ann an Cill-Amhlaidh, anns an Iochdar, bu chòir an tiodhlacadh a dheanamh, agus bha fear eile ag radh nach ann ach ann an Cladh-Mhuire. An uair a thug iad uile greis mhath air an obair so dh’ aontaich an aireamh bu mhò dhiubh gur ann an Cill-Amhlaidh bu choir dhaibh an corp a chur fo ’n talamh. “Ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa,” arsa fear de ’n chuideachd, “bheir sibh leibh an t-sluasaid, agus bidh i deisil dhuibh air son an uaigh a threachaid an uair a ruigeas sibh Cill-Amhlaidh.’ “Cha b’ e mo chomhairle dhuibh,” arsa fear eile,” “ach fear no dithis dhibh a dhol a dh’ iarraidh sluasaid Dhomhuill òig. Tha i ’na seasamh ri taobh an doruis, agus cha ’n eil arm eile cho acarra rithe eadar Cille-Bhrighde agus Leac-bhan a’-Chaolais.” Dh’ aontaich a’ mhòr-chuideachd gu robh so glè cheart, agus dh’ fhalbh an dithis bu luaithe a bh’ anns a’ chuideachd a dh’ iarraidh na sluasaid. An uine gle ghoirid bha iad air an ais ’s i aca. Chàireadh air muin na ciste-laidhe i. Le leum dà bhuinn thog iad orra, agus dh’ fhalbh iad leis a’ ghiulann. Ma bha ’n truaighe roimhe air a’ chudthrom a bh’ air druim Dhomhuill òig, bha na seachd truaighean a nis air. An deigh dhaibh Cladh-Mhuire fhagail ghabh iad sios gal-na-marbh ri cois a’ chladaich, seachad a’ Chuile, Gearraidh Ghrìminnis, Poll-nan-cronn, an Lagan, Beallach-nan-each, Sìthein-Bhuirgh, Còrdal, agus an Lub-Bhan gus an deachaidh iad a null air an fhaoghail-iochdraich aig ceann Theastamail. Agus uaith sin ghabh iad tarsuinn air amhach na Guaille, sìos an Garbh-bhagh gus an d’ ràinig iad Cill-Amhlaidh. Cha bu luaithe chaidh iad a steach do ’n chladh na thòisich iad air an dian-chonnsachadh mar a bha iad ann an Cladh-Chaluim-Chille, agus ann an Cladh-Mhuire. An uair a bha ’n connsachadh so a’ dol air aghaidh bha Domhull og a’ smaointean gu n d’ fhairich e ’n ùine o ’n a chaidh a chiste-laidhe a chur air a dhruim cho fada ri seachd bliadhna de ’bheatha. (Ri leantuinn.) [TD 396] [Vol. 3. No. 50. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IUN 15.1895. Tha àireamh mhath de luchd-gabhail a phaipeir o nach cuala sinn fhathast, ged tha ’bhliadhna nise beul ri bhi seachad. Tha sinn an dòchas nach tig oirnn sin a cur ’nan cuimhne tuilleadh. Chaidh tri taighean agus sabhal leis na Donovans, faisg air Ingonish a losgadh air an t-seachdain s’a chaidh. Bha teine mor anns a’ choille mu’n cuairt dhiubh, ghreimich e orra, agus cha d’fhuaireadh grabadh sam bith a chur air gus an robh iad uile air a dhol na smàl. Mur biodh gun dh’ atharraich a ghaoth, ’s gu’n d’ thainig frasan troma uisge, bha moran de thaighean eile air an losgadh còmhla riutha. Bha cruinneachadh mor gu bhi aig Clann-a-Phearsain aig caisteal chluanaidh an Alba, air an treas latha fichead dhe’n chéitein. Tha moran de dh’ eachdraidh ’s de bheul-aithris na Gàidhealtachd air an dlùth-cheangal ris an t-seann làraich so, àite air ’n do bhuilich nàdar bòidhchead air nach toir ach fior chorra àite ’sa Ghàidhealtachd bàrr. ’Se Cluanaidh a b’ ainm do chinn-feadhna Chloinn-a-Phearsain o chionn iomadh linn, agus ’se Cluanaidh is ainm do ’n fhear a th’ air an ceann an diugh. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor. Litir a Lunnainn. Fhuair mi litir an latha roimhe bho charaid Gaidhealach an Siam ag innseadh dhomh cho fior mhath ’s a tha MAC-TALLA a còrdadh ris. So agaibh a bhriathran fein. “Mo bheannachd ort, tha mi faotainn MAC-TALLA gu raighailteach; is math an gnothach gu ’n do chuir thu thugam an toiseach e; gheibh mi nis e fhad’s bhitheas mi beo. Tha nàire orm nach do sgriobh mi litir dh’ ionnsaidh an fhir-deasachaidh, ach cuiridh mi sgeula thuig gu h-aithghearr.” Nis faodaidh mi innseadh dhuibh gur ann troimh ’n MHAC-TALLA chuir mi eòlas air a Ghàidheal chòir so. Thachair gu ’m faca mi ainm ri litir Ghàidhlig ann an aon de na paipeirean-naigheachd Albannach agus chuir ni MAC-TALLA g’a ionnsaidh. Thaitinn e cho math ris ’s gu ’n d’ ordaich e gun dàil e, agus tha e nis a cur ga iarraidh airson a bhràthair. Mar so cha ’n e mhàin gu ’n d’ fhuair mi da ainm ùr airson a phaipeir ach, aig an àm cheudna chuir mi eolas air fior Ghàidheal agus air deadh charaid. A réir mo bheachdsa ’s i so doigh anns am faod gach neach de bhur laughadairean beagan a dheanamh gu àireamh na muinntir a tha ’gabhail a phaipeir a chuir gu mor am meud. Cha ’n ’eil iad ach tearc aig nach eil caraid air chor-eign a dh’ fhaodas a bhi fhathast gun fhios gu ’m beil a leithid de phaipeir ann. Na leigeadh iad le sin a bhi mar sin ni ’s fhaide. An deigh dhaibh féin a leughadh cuireadh iad air falbh gu neach-eigin e, agus cha’n’eil teagamh nach dean iad feum mor. Dh’ innis mi dhuibh o chionn ghoirid mu dheibhinn an co-dhunadh gus an d’ thainig na Teachdairean Rioghail a chaidh a chuir a dh’ ionnsaidh na Gàidhealtachd. Tha phàrlamaid a nis a’ cur rompa beagan ath-leasachaidh a dheanamh air laghan nan an fhearainn, ach cha ’n ’eil iad a dol idir cho fad ’s a bha sinn an dochas a rachadh iad, agus cha ’n ’eil e gle choltach gu ’n d’ theid aca air eadhon am beagan so fhéin a deanamh na lagh. Ach cha ’n fhaod sinn ar misneachd a chall; feumaidh sinn leantuinn air a bhi dian-thagradh ar cùis fein agus faodaidh e bhi gu ’m faigh sinn eisdeachd uaireigin. CABAR FEIDH. Lunnuinn, 28, 5, ’95. CUIMHNICH! gu bheil aghainn Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh dhe gach seorsa, agus ’ga reic air PRISEIN IOSAL. JOST BROS. Sidni, C. B., Feb. 1, ’95. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. A. J. G. acEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-iomaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SYDNEY,—C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna. [TD 397] [Vol. 3. No. 50. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Dr. T. C. Mac Leòid an deigh oifig fhosgladh ann an Sidni, ’san tigh anns a bheil Moore & Johnston ri ceannachd. Tha sinn an dóchas gu soirbhich gu math leis. Tha ’n t-Urr. A. I. Domhnullach, ministear Bhaile-nan-Gall an deigh gairm a ghabhail gu Lochabar, N. S. ’Se so a cheud sgireachd anns ’n do shaothraich an t-Urr. Mr. Forbes a tha nise ann an Sidni. Tha’n obair anns na mèinnean gle fhad air ais seach mar bha iad mu’n àm so ’n uiridh; cha ’n eil a bheag sam bith a’ dol air adhart. Tha Méinn Ghowrie gu h-àraid fad air ais. Ach tha na méinneadairean ann an deagh dhòchas gu’m bi obair moran ni’s pailte mu’n tig crioch air an t-samhradh. Tha cuideachd a’ ghuail a’ faotainn barrachd a chreic na bha iad an dùil mios no dha air ais, agus ma leanas a’ chùis mar sin, theid aca air uiread guail a chur a mach eadar so us toiseach a gheamhraidh ’sa rinn iad an uiridh. Tha sinn an dòchas gur ann mar sin a bhitheas, oir ’se na mèinnean guail cùl-taic a chuid mhor dhe’n eilean, agus ma dh’ fhanas iad air ais, bi’dh e ’na chall mor do’n dùthaich uile. Tha na Frangaich ann an Canada Iochdarach ri monabar mor a thaobh a chùirn-chuimhne a thatar a togail ann an Louisburg. Tha iad ag radh gu bheil an fheadhain a tha ’ga chur suas a toirt tàire do Fhrangaich Chanada le sin a dheanamh, agus gu bheil luchd-riaghlaidh na dùthcha a’ deanamh dearmad air an dleasnas ’nuair nach eil iad a cur bacail orra. Tha iad a’ cur impidh air fir-pàrlamaid Cheap Breatunn an guth a thogail an aghaidh a’ ghnothuich, agus tha iad a deanamh moran eile air son an càrn a chumail ri talamh, ach tha sinn am barail nach toirear cluas dhaibh. Ma bha ’n dùthaich so fo laimh na Frainge ’s ma thug Breatuinn uaipe i, car son nach biodh an t-am agus an t-àite anns ’n do chuireadh fear de na blàraibh a chuir a chùis an darra taobh air a chomharrachadh a mach? Cha ’n eil sinn am beachd gu bheil e dad na’s miosa càrn mar so a thogail, na tha e bhi teagasg eachdraidh na dùthcha anns na sgoilean. Cha ’n eil duine cloinne dol dh’ an sgoil air fad no air leud Chanada aig nach bu choir fhios a bhi roimhe so gu robh ’n dùthaich so ’san àm a dh’ fhalbh fo chrun na Frainge, agus gu’n d’ thug Breatuinn uaip’ i, agus ma tha na Frangaich a tha ’n Canada an diugh air son a chuid sin de dh’ eachdraidh an dùthcha a dhubhadh as, ’s fhearr dhaibh achd pàrlamaid a dheanamh a toirmeasg do mhaighstirean-sgoile na dùthcha guth no iomradh a thoirt air a leithid tuilleadh! Cha mhor feum a ni e dhaibh càrn-chuimhne Louisburg a chumail o bhi air a thogail, agus aig a cheart àm, an dearbh ni a tha e gu bhi cur an céill air a theagasg anns na sgoilean gach seachdain dhe’n bhliadhaa. ’S e ar barail fhéin gu bheil na Frangaich na’n éigin air son bruidhinn, ’nuair a tha iad a’ cosg uiread analach mu ni cho beag. Minard’s Honey Balsam, leigheas cinnteach. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS. Leighis mi droch reubadh air each le MINARD’S LINNEIMT. St. Peters, EDWARD LINLIFF. Leighis mi droch at air each le Minard’s Liniment. Bathurst, N. B. T. W. PAYNE. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 107 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 398] [Vol. 3. No. 50. p. 6] AINMHIDHEAN. Tha na sochairean sin gun àireamh a ta air am buileachadh air an duine leis gach beathach agus ainmhidh a tha teachd beo mu ’n cuairt da. Tha ainmhidhean na macharach, a’ chuain, agus an adhair, air an dealbhadh le Dia chnm maith do ’n duine; agus tha na beannachdan agus na sochairean éugsamhla a tha iad a’ co’-pàirteachadh ris an duine co lionmhor ’s nach ’eil e comusach ach fiorbheagan diubh a thoirt fa’near. Tha gach uile chréutair air a chruthachadh, cha’n e mhàin freagarrach air son na staide sin anns an do shònraicheadh e leis an Fhreasdal sin a ta os ceann nan uile nithe, ach tha e air a chruthachadh mar an céudna chum maith soilleir agus sònraichte do’n duine. A thaobh mòrain de na créutairibh a tha air uachdar na talmhainn, cha ’n ’eil e furasd a dheanamh a mach ciod am féum a ta air a shònrachadh leò, ach an déigh sin, tha iad gun teagamh chum feum àraidh èigin, oir cha do chruthaicheadh ni sam bith gu diomhain leis-san, tha gu neochriochnuichte glic. Is iad na beathaichean a tha ’solaireadh air ar son nan nithe a’s cudthromaiche a thaobh ar lòin agus ar sgeudachaidh, agus a thaobh gach cuideachaidh eile a tha dhìth oirnn anns an t-saoghal so. Tha iad air mhìle seòl a’ solaireadh chum ar maith, agus tha iad ag oibreachadh le cheile air mhodh mior-bhuileach chum ar leas. Tha e soilleir do na h-uile gu’m bheil iad a’ lughdachadh ar saoithreach anns a’ bhaile agus anns a’ mhachair,—a’ giùlan ar n-uallaichean troma,—a’ tarruing gach gnè charbaid agus feuna,—a’ treabhadh na talmhainn,—agus a’ deanamh nithe gun àireamh eile chum ar buannachd! Amhairc air an each, agus nach feumail an créutair e! Nach liomhor obair a thig ’n a char? Nach easguidh, ùmhal e ’n a shaothair? Tha e’ deanamh maith dhuinn a thaobh a luathais agus a neirt fein. Is mòr agus is laidir an t-elephant, ach an déigh sin ceannsaichear e, agus nithear e ’n a sheirbhiseach ùmhal. Air an doigh chéudna tha’n camhal ro chomusach air fuachd agus teas fhulang; tha neart mòr aige, agus cuiridh e suas rè ùine fhada gun bhiadh, gun deoch anns an fhàsach. Nach lionmhor na nithe maith’ a tha sinn a’ faotuinn o’n chaor agus o’n mhart? Tha olann na caorach a’ deanamh gach gnè éudaich air ar son, an uair a ta feòil na caorach ’g ar beathachadh. Nach ’eil am mart, air an doigh cheudna, chum mòr bhuannachd an dà chuid beò agus marbh! Nach luachmhor an ni am bainne fein do mhac an duine, agus mar an céudna, feòil na mairt r’ a itheadh, a craicionn air son leathraich, agus na h-adhaircean, na cosan, cnàmhan, agus na ladhran aice air son nithe do-sheachnach annta fein! Air an laimh eile, nach féumail an cù do’n bhuachaille, agus nach ealanta, cùramach, dileas a ni e a ghnothuch fein mar fhear-faire a’ dionadh ar tighean, agus ar codach o gach gné luchd-réubainn! Is dìleas, treibhdhireach, càirdeil an créutair an cù; fàgaidh e a chuideachd agus a ghnè fein, dlùthaichidh e ris an duine, agus cha’n àill leis idir dealachadh ris. Ceart mar so, mar an ceudna, tha na meanbh-bheathaichean a tha co lionmhor ’s an t-saoghal ro luachmhor annta fein do’n duine, air son leigheis, air son dathanna sònraichte, agus air son lòin do chréutairibh eile. Ceart mar so, tha éunlaith an adhar, agus gach eun iteagach a’ coimhlionadh nan nithe a shònraicheadh dhoibh a dheanamh. Agus cò tha comusach air lionmhorachd iasga na fairge a leigeadh ris? Tha iad de gach méud o’n mhuic-mhara mhor, a sios dh’ ionnsuidh an t-siolaig a’s lugha tha ’snàmhadh ’s na glumagaibh an cois a’ chladaich. Dh’ fhèudadh mòran a bhi air a chur an céill mu na nithibh so chum ar teagasg a thaobh maitheis, cumhachd, agus gliocais an Ti bheannuichte sin a tha riaghladh os ar ceann, ach fàgar sin gu uair eile. Bhiodh e ro thaitneach na’n gabhadh “Bun Lochabar” an ni so os làimh, a chionn gur tearc iad ri’ m faotuinn aig am bheil uiread eòlais ’s a ta aigesan air mòr-bheathaichibh agus air meanbh-bheathaichibh na cruitheachd, agus air gach buaidh agus riaghailt a bhuineas d’ an nàdar-san. Ach chaidh ni ’s leòir a ràdh chum a dhuanamh aithnichte gur e cumhachd agus gliocas neo-chriochnuichte a mhàin a b’urrainn nithe co miorbhuileach a dhealbhadh agus a chumail suas! Mar sin “Rinn Dia beathaiche na talmhainn a réir an gnè, agus an spreidh a reir an gnè, agus gach ni a shnaigeas air an talamh a réir an gné; agus chunnaic Dia gu’n robh e maith,” (Gen. i., 25.) ALASDAIR RUADH. TURUS A MHARAICHE LE EOBHAN MACLAOMUINN, M.A.D.D. CAIB VII. (Air leantuinn.) Air do Chriosduidh na briathran so chluinntinn thubhairt e ri Gluine-laga; “’s tu aon d’inn fein,” thig a steach do “Sgeul-a mhoir Aoibhneis,” agus guilanidh sinn thu do’n “t-saoghal Ur.” Thug Gluine-laga mar gu ’m eadh oidhirp ach dh’ failnich a ghlùinean e; dh’amhairc e mar an ceudna mu ’n cuairt air a thigh a bha làn de Lòn gus nach robh àite ga chumail air chor nach robh comas gluasad; a ta agad mòran do nithibh maithe air an tasgadh fa chomhair moran làithean, arsa Criosduidh. “Chan eil tuille sa choir “fhreagair esan; feudaidh na machraichean failneachadh, feudaidh an treud bhi air an gearradh as o’n mhainnir, feudaidh an t-iasg na cladaichean fhagail, an sin Ciod a ni mi “Ciod ach gairdeachas anns’ an Tighearn agus aoibhneas ann an Dia do shlainte?’ fhreagair Criosduidh. Dheirich e gu falbh rinn Gluine-laga an ni ceudna, agus lean se e a cuir cheisdean agus ann an teagamh tra bha iad a’ téarnadh. Nuair dh’ feoraich e mu thimchioll “Sgeul a Mhor Aoibhneis,’ fhreagair Criosduidh: “Thig agus faic.” Bha taobhan na Creige giulan comharraidhean air iomadh stoirm, ach cha ’d rinn dealanach agus doinionn na ’n ioma linn-a bheag ach a h-aodan a dheanamh mìn, bha i ’n t-aon ceudna dé, agus an duigh, agus gu siorruidh. Dh’ luth lean “Gluine-laga” ri Criosduidh air na h-aitean sleamhuin—cha mhor ga shlaodadh gus an làr; labhair e fos uair no dha air dol air ais. Thug criosduidh fa’ near esan a dh’ fhuiling a shamhuil sin do ana-caint o pheacaich ’na aghaidh fein, agus uime sin ghiulain e gu foighidneach le corp lag agus Creidimh lag a cho chreutair oir an deigh na h-uile car bha freumh a ghnothaich ann. An àm bhi g-imeachd seachad air obair, air dha sanas fhaotuin o Chriosduidh, chaidh Fear na ’n Gluineanlaga steach agus nigh e e fein, thaìnig e mach gu mòr air ùrachadh ’a moladh Dhé agus ullamh chum seoladh ann an “Sgeul-a Mhoir Aoibhneis.” Nuair chaidh iad air bord chuir na maraichean failte air [TD 399] [Vol. 3. No. 50. p. 7] “Gluine-laga.” Dh’ aithn Criosduidh dha Cuilc-bhruite curam ghabhail da, agus air dhasan féin bhi air a chuartachadh le anmhuinneachd bha n’ tuille caomhalachd agus comh fhulangais aige air. Ach sheachain “Dearsair” fear na ’n Gluine-laga. (Ri leantuinn.) ’S e an Claon-Bhreith an Darna Breith. Bha fear de righrean na Fraing anabarrach deigheil air òran a dheanamh. Bha dithis oide aig a’ teagasg dha cia mar bu a chòir na focail a chur ri chéile agus na sreathan a chur an òrdugh, ach a dh’ aindeoin sin cha robh an obair a’ soirbheach leis. La a bh’ ann chur e ri chéile, air mòran dragh, luinneag bheag nach b’ fhiach an spàirn, agus as nach robh tlachd sam bith aig an righ féin. Coma co dhiu an ath la nuair bha na h-uaislean cruinn, thug an righ seachad do ’n fhear a bu shine agus a b onaraiche ’s a chuideachd am paipear air an robh an luinneag sgriobhta ’us thuirt e.—“O ’n a tha fios aig càch gur toigh leam na h-orain tha iad a’ toirt ’g am ionnsuidh na h-uile seorsa rannan chum ’s gun innsinn mo bheachd orra. Nis leugh thusa an luinneag sin agus innis dhomh an do thachair thu riamh air rud idir cho suarach ris.” Leugh an sean-duine an luinneag agus fhreagair e. “Tha sibh le ’r cead an còmhnuidh ceart, a righ, agus gu h-araid tha sibh ceart an trasd, luinneag cho suarach agus cho amaideach cha n’ fhaca mi agus cha chuala mi riamh.” Thòisich an righ ri deanamh gàire ag raidhtinn, “’s nach b e an t-amadan am fear a rinn e.” “An t-amadan gu dearbh e,” fhreagair an t-uasal, “neach a dheanadh luinneag mar sin cha tiueadh ainm a b’ fhearr dha.’ “’S math leam do chluinntinn,” ars’ an righ “’s e mise mi fein a rinn e.” “Mo mhearachd a righ!” do ghlaodh an truaghan, “nach leig sibh leam a rithist, s ann a leugh mi ’na mo chabhaig an luinneag.” “Ma ta cha leig, thubhairt an righ, “’s e an claon-bhreith an dàrna breith.” Bha gaireachduinn gu leòir aig mòran de ’n chuideachd air cho sgiobalt agus a thug an righ an car a’s an t-sean-uasal. Ach b’ olc am protaig i an duine aosmhor còir a mhealladh agus cùisbhuirt a dheanamh dheth, agus cuid eile cha dubhairt iad dìog, agus iad a smuaineachadh nach biodh an gnothuch gun toirbheachd do ’n righ fhéin n’ an toireadh e air a bhi tuigsinn cia cho tric agus a dh’ fhaodadh ceum no dha a bhi eadar e fhein agus an fhirinn. GALL-GHAIDHEAL. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 400] [Vol. 3. No. 50. p. 8] ORAN. LE DOMHNALL GOBHA AIR DHA A BHITH ’FAGAIL STRATHGHLAIS. LUINNEAG. Tha mo cheann-sa nise liath, ’N deidh na chunnacas leam riamh; ’S ged is eiginn dhomh bhith triall, A shiorrachd ’s beag mo speis dha. Bha mi og ann an Strathghlais, ’S bha mi ’n duil nach rachainn as, Ach bhon chaidh na suinn fo lic ’Nis gabhaidh mi ’n ratreuta. Ged a tha mo choiseachd trom, Togaidh mi m’ aigneadh le fonn; ’S nuair a theid mi air an luing, Co ’chuireas rium geall-reise? ’N tàcharan so ’th’ air ar ceann Sgiot e ’dhaoine ’s tha iad gann; ’S fearr leis caorich ’chur am fang Na fir an camp’ fo fheileadh. Comunn cairdeil chan fheil ann, Chan fheil eisdeachd aig fear fann; Mar cuir tha caorich ri gleann, Bidh tu air cheann na deirce. Nuair a bha mi laidir, og, Dheanainn cosnadh air gach doigh; Ach an nis bhon dh’ fhalbh mo threoir, Tha mi air storas feumach. Gheibh sinn acrichean bho ’n righ, Tighearnan gun dean e dhinn; Cha b’ ionnan ’sa bhith mar bha ’n linn Bha paigheadh cis do Cheusar. Na biodh eagal oirbh mu ’n chuan, Faicibh mar sgoilt a Mhuir Ruadh; Tha cumhachdan an Ti tha shuas An diu cho buan ’s an ceud la. BAILE NA TRAGHAD. LE MICHEIL MOR DOMHNALLACH. O, ’s alainn an t-aite ’Thagam ’n cois na traghad ’N uair ’thig e gu bhi ’g aiteach ann Leis a’ chrann, leis a’ chrann, O. Ni mi ’n t-aran leis na gearrain, ’S an crodh bainne ’chur mu ’n bhaile, ’S cha bhi annas oirnn san earrach Chuirinn geall, chuirinn geall. O, ’s fraoidhneasach, daoimeanach, Glan mar sholus choinnlean, Am bradan le ’chuid shoillsainich Anns gach allt, anns gach allt, O. Mear ri mire, ’leum na linge; ’S boidheach milis leam do ghile; ’S iomad gille ’bhios ga d’ shireadh Ann san am, ann san am. O, ’s cubhraidh na smuidean A bhios dhe ’n taighean-siucair; Craobhan trom a dluth dhaibh ’S iad gun mheang, ’s iad gun mheang, O. ’N am an fhoghair b’ e mo roghainn A bhi tadhal gus an taghadh; ’S gu ’m b’e ’m baothair ’nach dug oidheirp Air bhi ann, air bhi ann. Bidh piobaireachd ’s fidhleireachd Againn la Fheill-Micheil; Cluinnear sin air mhiltean Nach bi gann, nach bi gann, O, Na fir shona, ’n am na Nollaig, Bheireadh dorus air na syorain ’S dheanadh frolic nach biodh dona Leis an dram, leis an dram. Bha Micheil Mor re geamhraidh leis fein ann an Siudig an Ceap Breatunn. ’S ann an sin a rinn e na rannan a thug mi seachad. Bha e ag iarraidh air a bhrathair a thiginn comhla-ris, ach cha digeadh e. ’S e bhrathair am baothair mu bheil e labhairt. SUIRIDH RUARI. LE MR. TORMAID MAC-LEOID. Tha sgeula ri aithris, ’S chan fhanaid ri luaidh e, Gum facas thu, Ruari, ’Deanamh suaircis ri mnaoi; Ri cailin ro fhinealt’ Air a lionadh le uaisle. Rinn i do mhealladh le sealladh Fo mhala gum ghruaman. Tha ’beul mar a chubhag, ’S glan ruthadh a gruaidhean; ’S gur maiseach ’s gur cuachach ’Tha cuir dhuallach a cinn. Tha m’ oganach gasda Mar ghasan de ’n luachair; ’N am direadh a chruadhlaich Bu deas, luath thu ’san fhrith. Nuair theid thu air t’ uilinn, Bheir thu fuil air damh croice; Lotar ’sa cheir e, chan fheudar Leis leum air a mhointich. ’N am cluiche na fidhle Bhiodh do ridhle an ordagh, Air bharraibh nan ordag Gu clis, eolach, is grinn. Mur dean iad dhiot parsan, Ni thu spalpaire diumhlaich; Mur cuirear an gùn ort Gheibh thu cuinneadh bho ’n righ. Gun coisinn do mhisneach Aite measail bho Dheorsa; Frangaich is Spaintich, mo lamh-sa, Gheibh iadsan ort eolas; Mur ceanglar an t-sith Gum bi mi-stath na t’ fheolach; Le spionnadh do dhorn Gun deid moran diu dheth. ’S e aobhar a chlisgidh, Ged bhrisdeas tu cnuachdan, Nuair theid thu thar chuan bhuainn Gum bi gruagaichean tinn. Bidh luaidhe nan cridhe, ’S am bruidhinn gun solas, ’G ionndrainn a cheanail ’thig ealant’ Bho smealas nam pògan; Cha tog iad an inntinn Gus an till thu le ordagh; Chan eisd iad ri oran, No ri ceol a bhios binn. Minard’s Family Pills, glan, fallain. Marbhaidh Cherokee Vermifuge biastan. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh esachd. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co Sidui, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95. [TD 401] [Vol. 3. No. 51. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 22, 1895. No. 51. An t-Aobhar son am beil mi ag Ionnsachadh na Gaidhlig. LE RAONULL L. MACDOMHNUILL. Ged a sheallas an ceann-eagair a thagh mi car neonach dhaibhsan aig nach ’ail moran eolas air a Ghaidhlig, agus ’tha am beachd gur a canain i anns nach ’eil dad air bith do dh’ fheum; ’s e mo bharail gu ’n seall e moran na ’s neonaiche agus na ’s goraiche dhaibhsan aig am bu choir i bhi ga labhairt agus ga leughaidh ach a tha an déigh a leagal seachad. Is ann ruithe so tha duil agam bruidhinn. Tha fios aig an t-saoghal air fad ma tha mi-run aig a h-aon sam bith air a Ghaidhlig, gheibhear e anns na cearnan sin far a robh i aon uair air a labhairt ach far nach ’eileas ga cleachdadh an diugh. C’ arson a thathas a cuir na Gaidhlig air falbh? Feorich bho’n fhear sin a tha ri ’d thaobh c’ arson a leag esan a Ghaidhlig seachad agus faic a freagair e thu. Am beil e na chomas freagairt dhiongmhalta a thoirt dut? Mar is minig ’tha a leithid cha ’n urrainn dha le cogais neo-chiontach a radh gu ’n rinn e so a reir reusain. An anns gu b’ urrainn dha na b’fhasa canain eile ionnsachadh a chuir e a Ghaidhlig air chul laimhe? Cha ’n ann, chionn ma ’s duine e aig am beil toinisg faodaidh e ’thuigsinn gur th’ ann do reir ’sa tha fios aige air canainean eile ’thig dha canain ur ionnsachadh. Mar as mo a tha dh-eolas aige air canainean eile, ’sann as fhasa dha tuilidh soillearachadh fhaighinn inn air cach. An e gur urrainn dha faighinn air adhart na’s fhearr anns an t-saoghal so as a h-aonais? Mar is trice s’e so an aona leisgeul a bhios aige, ach an e reuson math ’tha so? Am beil a Ghaidhlig na h-eallach air ga chumal air deireadh sa’n t-saoghal? Am beil obraichean duinte na aghaidh airson an aon reusan gu ’m beil Gaidhlig aige, no am beil e air faontradh an diugh chionn ’s gur facal Gaidhlig a chiad fhacal a bhruidhinn e? ’S e mo bharail nach urrainn dha le firinn a radh gun a choisinn a Ghaidhlig mi-shealbh dha riamh. Ach faiceamaid a nise c’ arson a thathas a leagal na Gaidhlig sios. Nach ’eil e na fhirinn shuidhichte agus gun teagamh, na fhirinn a thainig bho eolas gach aon agaibh ge be co a thilg a Ghaidhlig air falbh gu ’n d’ rinn e so a chionn ’s gu robh e anns an bharal mhearachdach gun robh i na canan iosal, na canan shuarach, neo-luachmhor, na canan gun bhuaidh gun bhrigh; freagarrach air an tràill, ach tuilleadh ’s suarach airson a leithidsan? Nach ’eil e na fhirinn fhollaiseach gur h-ann airson straic mar a dh-ainmich mi a tha a mhaighdean og na an gille a dh’ fhagas sgeith am mathar a tilleadh dhachaigh an ceann beagan bhliadhnachan agus a gabhal orra fhein nach ’eil aon ghuth do chanain an aite sin aca ann’s a deachaidh an togal? Ach faodhaidh beagan leisgeul a bhi aig a leitheadan so; ach cha’n fhaic mi dad air bith do leisgeul acasan nach do ghluais riamh bho ’n dachaigh a tha an deigh a Ghaidhlig a chall, agus nach bruidhinn am parantan guth eile ach i fhein. Is aithne dhomh cuid mhath do theaghlaichean ’tha air a suidheachadh mar so, agus ’s docha leam gu d’ thainig a leithidean fo ’r beachd-sa cuideachd. Ach, a nise c’arson ’tha mi ag ionnsachadh na Ghaidhlig? Anns a chiad àite, tha mi ga h-ionnsachadh ’chionn ’s gu ’m beil i na cuideachadh dhomh go soilleireachd fhaotainn air canainean eile. “Gun eolas math air a Ghaidhlig cha’n urrainn do neach teachd air aghart sam bith a dhianmhadh ann an eolas-chanan,”—orsa ’n Dotair Moraidh. Tha i beairteach ann a gnathsan-cainnte, agus co-ionann ann a cuma ri canainean an latha an diugh. Tha i subailte agus ioma-thaobhach gu inbhe a chomharraicheas a mach i am measg na miltean canan a thathas a labhairt an diugh, agus tha an da gnè so ga buileachadh a bhi go soirbheas mhor do sgoilear na Beurla. Anns an dara àite, tha mi ga h-ionnsachadh ’chionn ’s gur seana chanain i. Ma tha sinn ag ionnsachadh seana chanainean eile, coltach ris an Laidionn agus a’ Ghreigeis agus gu ’m beil sinn ga faighinn na ’n ionnsachadh math do’n inntinn nach saol sibh gu’m bu chor dhuinn a bhi pailt cho math dheth ’n uair tha sinn ag ionnsachadh a chanain sin a tha co-aimsireach riuthe agus aig am beil seilbh os-ceann càch a dh-ainmich mi ann a poncalachd, subailteachd, tabhachd agus cumhachd air a h-uile gne smaointinn aithris? Anns an treas àite, tha mi ga h-ionnsachadh ’chionn’s gur i a chanain anns am beileas a seinn gniomhan nan treun-laoich sin bha riamh ainmeil airson treuntas agus gràdh-dùthcha,—a chanain a ghluais daoine anns gach linn gu seasamh ri cruaidh-chas agus éigin,—a chanain a thug misneach do na baird, agus a bhrosnuich iad gus an duain a ghleusadh agus a choisinn dhaibh seinn ann am fileantachd a chuir aoibhneas ann an cridheachan gach linn o’n àm sin,—ann am beagan fhacal a chanain anns am beileas a seinn eachdraidh ar sinnsir. Agus tha mi ag ionnsachadh na Gaidhlig ’chionn’s gur i mo chainnt mhathrail, a chanain a dh’ ionnsaich mi air glun mo mhathar, a chanain anns na dh-aithris i a dùrachd agus a guidhechean bu ghaolaiche dhomh, a chanain anns na bhreithnich mi mo chiad dhealbh-inntinn air Dia agus air an t-saoghal, a chanain anns na bhruidhinn mi mo chiad fhacalan liotach, an aon chanain a bha agam aig an àm sin da ’m shaoghal anns a faod mi a radh gu robh mi sòlasach agus na leiginn air di-chuimhne gu ’m bithinn mar gu’n caillinn leth mo bheatha [TD 402] [Vol 3. No. 51. p. 2] EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH. “Thainig mo Rìgh air tìr ’am Mùideart.” Cha-n ’eil an t-àm fad’ air dol seachad ’n uair nach biodh e ceadaichte dhuinn ach labhairt gu faicilleach mu’n chùis so. Dh’ fhalbh Prionns’ Tèarlach, agus cha d’ fhàg e oighre ’n a dhéigh a tha ’tagradh na rìoghachd o’n teaghlach àrd a tha ’nis thairis oirnn. Tha Rìgh Deòrsa ’nis air ’aideachadh, agus air a ghràdhachadh leis gach duine ’s an eilean Bhreatunnach. Agus ’n am measg so gu léir, cha-n ’eil daoine a’s toighiche uime, agus a’s dìsle dha na Clann nan Gàidheal, seadh, eadhon sliochd nan ceart daoine a dh’ éirich le Tèarlach. Is iomadh blàr garg ’s an do dhearbh iad so: agus tha iad ag ràdh, nach ’eil duine ’s an rìoghachd a’s déigheile air naidheachd mu bhliadhna Thèarlaich, na’n Rìgh féin, no a’s togarraiche duanagan an àma sin a chluinntinn. Chualas e gu tric a’ moladh nan Gàidheal, a chionn nach d’ fhuaradh duine ’n am measg a bha cho dìblidh thruagh ’s a dheanadh brath air Tèarlach, ged a bu mhòr an t-airgiod cinn a chaidh a thairgseadh. Faodaidh sinn a nis labhairt agus sgrìobhadh gu neo-sgàthach mu bhliadhna Théarlaich; agus is cinnte leinn nach misde le òigridh na Gàidhealtachd an Eachdraidh so ’éisdeachd. Dh’ fhalbh na seann laoich a b’ àbhaist a h-aithris air an fheasgar gheamhraidh, agus tha i na h-uile bliadhna ’dol na’s mò air dì-chuimhn’. ’S ann air an 20mh là de mhìos meadhon an t-samhraidh, anns a’ bhliadhna 1745, a dh’ fhàg Prionns’ Tèarlach an Fhraing, ann an soitheach-cogaidh, agus a rinn e air son Gàidhealtachd na h-Alba, a chum oidhirp a thoirt air rìoghachd ’athar, ’s a shean-athar, agus an teaghlach rìoghail a ghairmeadh a stigh ’n an àite, ’fhògradh air an ais do Hanobher o’n d’thàinig iad. Cha d’ thug e leis ach dà mhile gunna, agus còig no sè ceud claidheamh Frangach. Cha robh saighdear ainmeil ’n a chuideachd; agus cha robh aige ach trì, no ceithir mìle Punnd Sasunnach do dh’ airgiod. Bha ’uile earbsa as na càirdean a bh’ air thoiseach air, agus chuir e roimhe e féin a thilgeadh ’n an uchd. Ràinig e ’n t-Eilean Fada, agus thilg e acair anns a’ chaolas eadar Uist agus Eirisca. Chuir e ’n oidhche seachad air tir, chuir e fios air Fear Bhoisdeil, bràthair do Mhac ’Ic Ailein; ach dhiùlt an duine so éiridh leis; agus rinn e na dh’ fhaod e a chum a thoirt air Tèarlach dol air ’ais mar a thàinig e; ag aslachadh gun chogadh a dhùsgadh ’s an àm, ni nach faodadh gun mhilleadh a tharruing air féin agus air na dh’ éireadh leis. ’N uair a mhothaich am Prionnsa nach drùigheadh e air, thug e Arasaig air; agus air an aon-la-deug de air mhìos deireannach an t-samhraidh, thàinig e gu acair ann an Loch-nan-gall. Chuir e fios air Mac ’Ic Ailein òg, fiùran cho flathail ’s a sheas riamh air balt bròige. Thàinig am Mùideartach òg so ’n a làthair an la ’m màireach, le Fear Ghlinn-ealadail agus Fear Dhail-eileadh. Rinn iad na dh’ fhaod iad g’a chomhairleachadh gun an oidhirp a thoirt; bha e féìn agus iadsan a’ spaisdearachd ’an deireadh na luinge, esan ag aslachadh orra-san éiridh, agus iadsan cho dian g’ a dhiùltadh. ’N uair nach mòr nach d’fhairtlich iad air, mhothaich e Gàidheal eireachdail ’n a làn éideadh—bràthair do Fhear Cheann-locha-mùideart, a’ seasamh ’an ceann eile na luinge. Thuig an Gàidheal cò a bh’ ann, agus chual’ e le h-iongantas agus corruich, a Cheann-cinnidh agus a chàirdean a’ diùltadh éiridh leis. Thàinig rughadh air a ghruaidh, ghlac e a chlaidheamh gu gramail ’n a làimh, thug e ceum goirid air ’ais agus air ’aghaidh, air clàr na luinge, le colg bhuaireasaich ’n a shùil. Mhothaich am Prionnsa dha so: thionndaidh e ris, agus thubhairt e, An éirich thusa leam? Eiridh mi, a deir Raonull òg Cheann-locha-mùideart, agus ged naoh biodh duine eile an Albainn a dheanadh e, seasaidh mi le m’ Phrionnsa gu bàs. Thàinig na deòr ’an sùilibh a’ Phrionnsa. A fhleasgaich fhoghaintich, a deir e, na-m biodh mìle do d’ leithid agam, ghearrainn a mach slighe a chum rìgh-chathair mo shinnsir. Cha luaithe a chuala Mac ’Ic Ailein ’s a chàirdean so na a ghéill iad da, agus dh’ éigh iad a mach, éiridh sinn uile leat, a Théarlaich Stiùbhart, a Phrionnsa, agus ’oighre Bhreatuinn. Latha no dhà an déigh so, chuireadh am Mùideartach òg air theachdaireachd a dh’ ionnsuidh Mhic Leòid, Dhùn-bheagain, agus Mhic Dhòmhnuill Shléite, a dh’ fheuch an éireadh iad leis a’ Phrionnsa. Dhiùlt iad e gu tur, a’ tairgseadh mar leth-sgeul, nach d’ thug e leis am feachd a gheall e; agus nach biodh iad cho amaideach agus sgrios a thoirt orra féin agus air an daoine, ’n uair nach robh e, do réir coslais, gu buadhachadh. Bha so ’n a chulaidh mhòr mhulaid do Thèarlach, oir b’ urrainn na Cinn-fheadhna sin, na-n éireadh iad leis, sluagh mór a thogail. ’S ann o thigh Fhir Bhoradail, far an robh am Prionnsa a chòmhnuidh, a chuir e teachdairean a mach air feadh na Gàidheaitachd air fad, a thogail a chàirdean. ’S e a’ cheud aon a thàinig g’ a fhaicinn Dòmhnull Camshron, mac Mhic Dhomhnull-duibh: duine cho measail, agus gaisgeach cho curanta ’s a bha ’an Gàidhealtachd Alba. Cha robh Loch-iall òg na bu togarraiche air éiridh leis na ’bho càch: a thaobh gu-m fac’ e gu n robh e gun daoine, gun airm, gun airgiod. Ach cha luaithe a thàinig e ’n a sheanachas, na ’chaidh gach cunnart air dì-chuimhn’, agus chuir e roimhe éiridh leis ge b’e mar a thigeadh a dheireadh. Phill e gu grad do Lochabar, a thogail a dhaoine, mar a rinn gach Ceann-cinnidh eile air an do chuir e ìmpidh éiridh leis. Chaidh a nis a shocrachadh gu-n togta a’ bhratach ann an Gleann-fìonain, air an naoitheamh-là-deug de ’n ath mhìos agus chuireadh a mach litrichean a chum gu-n coinnicheadh a chàirdean uile e air an là sin ’s an ionad sin. Dh’ fhàg am Prionnsa tigh Fhir Bhoradail, agus chaidh de do Cheann-locha-mùideart, agus as a’ sin do thigh Ghlinn-ealadail ri taobh Loch-seile. ’N uair a thàinig an là ’s an robh i ri bhi air a togail, ràinig e Gleann-fìonain, beagan roi’ mheadhon là, far an robh dùil aige gu-n coinnicheadh na Fineachan Gàidhealach e ’n am miltean, Ach, ’n uair a ràinig e, bha’n Gleann cho ciùin shàmhach ’s a bha e aon latha riamh. Cha robh daoine no feachd ann. Smaointich e gu-n d’ thàinig sgiorradh éigin air na daoine ris an robh fiughair aige, agus chaidh e stigh do bhothan bochd a bha dlùth do làimh, an dòchas gu’n tigeadh cuid diubh. Fa dheòidh chualas nullan pìoba o ghuala beinne a bha f’a chemhair, agus gu grad chunnaic Prionns’ Tèarlach buidheann lìonmhor a teurnadh. B’e Mac Dhòmhnuill-duibh ’s a chinneadh a bh’ ann, fo bhreacan-an-fhéilidh, s fo n làn armaibh. Air a thogail leis an t-sealladh so, agus leis a’ chunntas a fhuair [TD 403] [Vol. 3. No. 51. p. 3] e mu chath a chuir iad féin agus Clann Dòmhnull na Ceapaich, agus Ghlinne-garadh, ’an aghaidh nan saighdearan dearga, cha do chuir e tuilleadh dàlach ann an cogadh a ghairm ann an aghaidh Rìgh Deòrsa. Chaidh iad an sin gu mullach tuim ’am meadhon a’ ghlinne, far an do thog iad a’ bhratach sin a bha cho dòineach ’n a dhéigh sin do dh’ Albainn. Cha luaithe a chunnacas a’ bhratach na ’ghleusadh gach pìob g’a fàilteachadh, agus thogadh a’ bhuaidh-chaithream leis an àireamh lìonmhor a bha m’a timchioll, Tamull beag ’n a dhéigh so, thàinig Mac ’Ic Ranuill na Ceapach le trì cheud do cheatharnaich fhoghainteach; agus an dàil an anmoich, thàinig daoin’ uaisle do Shìol Leòid as an Eilean Sgiathanach, tairgseadh éiridh leis, a dh’ aindeoin mar a rinn an ceann-cinnidh. Champaich am feachd so, a bha mu thimchioll dà-cheud-deug an àireamh, air an oidhche sin anns a’ Ghleann; agus mar so thòisich an iomairt, air am bheil a mhiann oirnn beagan a labhairt o àm gu h-àm. CRUINNEACHADH NAM FINEACHAN. “Moch ’s a’ mhaduinn ’s mi ’dùsgadh, ’S mór mo shunnd, ’s mo cheòl gàire, G’n a chuala mi ’m Prionnsa ’Thighinn do dhùthaich Chloinn-Ranuill.” Dhealaich sinn ri Prionns’ Técrlach ann an Gleann-fìonain, aig ceann Loch-seile, ann am bràighe Mhùideairt, far an do thog Alastair Dòmhnullach, Triath Glinn-ealadail, caraid dìleas ar n-òige, Tùr rìoghail, mar chuimhneachan air a’ ghnothuch ainmeil so. Bha Rìgh Deòrsa II. ann an Hanobher ’s an àm, agus bha gnothuichean na rìoghachd ’an earbsa ri riaghlairean a shònraicheadh ’n a àite. Bha ’n t-arm dearg an Albainn fo ’n cheannard sin, air an tric a chuala sinn iomradh ’n ar n-òige, Sir Iain Cope. Chaidh mìos a dh’ ùine seachad an dèigh do Théarlach teachd do dh’ Albainn, mu’n d’ fhuaradh fios cinnteach uime ann an Dun-èideann. Air a’ cheart là air an do thog Thèarlach a bhratach ann an Gleann-fìonain, chur Sir Iain Cope e féin air ceann nan saighdearan dearga ann an Sruileadh; agus air an ath là ghluais e le ceithir-cheud-deug fear fo ’n armaibh, agus ochd gunnachan mòra, agus airm chatha a chuireadh e ann an làmhaibh nan daoine a shaoil leis a dh’ éireadh leis mar a bha e ’gabhail air ’aghaidh. Bha e a’ cheud oidhche ann am baile Chraoibh, far an do choinnich e Diùc Athuill, agus Morair Ghlinn-urchaidh, agus fhuair e ’mach uatha-san nach robh iad féin no an daoine ro thoileach élridh. Bha mìle leth-sgeul aca; air chor’s gu’n do chuir Sir Iain Cope air ais na h-airm a thug e leis, do Shruileadh, far am bu mhiann leis fèin tilleadh, na’m faodadh e. Mar a’s faid’ a chaidh an t-arm-dearg air an aahaidh an coinneamh Thèarlaich, ’s ann a’s mò a thuig iad nach robh muinntir na dùthcha air an taobh. Cha robh seòl a shaoileadh iad gu campar a chur orra, no grabadh, nach do ghnàthaich iad. Ghoid iad an cuid each ’s an oidhche, agus thug iad a h-uile sgeul bu bhreugaiche na chéile d’ an ionnsuidh a chum am mealladh. ’N uair a ràinig e Coire-gheara’g fhuair Cope fios cinnteach gu’n robh am Prionnsa agus na Gàidheil dlùth do làimh; agus a’ feitheamh gu bhi ’n sàs ann ’n uair a gheibheadh iad e ann an cas-bhruthach a’ Choire. Cha robh Cope deònach air dol ’n an caramh; chum e comhairle-chogaidh, agus cho-aontaich iad am Prianns’ a sheachnadh, agus thug iad Inbhirnis orra, (Ri leantuinn.) TEANN SIOS A DHOMHNUILL OIG. A chum sgeul aithghearr a dheanamh dheth, thachair a cheart ni ann an Cill-Amhlaidh ’s a thachair an Cladh-Mhuire. Ghabh iad rompa a Cill-Amhlaidh gu ruige Hogh-mòr, á Hogh-mor gu ruige Aird-Mhicheil, á Aird-Mhicheil gu ruige Tallunn, agus a Tallunn gu ruige Orosaidh-Bhaoghstail, agus anns gach aon de na h-aitibh adhlaic so thachair a cheart ni ’s a thachair am an Cladh-Chaluim-Chille, agus ann an Cladh Mhuire. An déis dhaibh Orosaidh-Bhaoghstail a ruidhinn ’s an uaigh a threachaid dh’ aontaich a h-uile mac màthar dhiubh gu ’n d’ rinn iad mearachd anabarrach mòr an uair nach do chuir iad an corp fo ’n talamh ann an Cladh-Chaluim-Chille, agus ’s e bh’ ann gu ’n do thill iad ball-gocha-direach air ais gu ruige Cladh-Chaluim-Chille, ann an Baile Mhanaich, agus cha b’e sin an t-astar beag. An uair a rainig iad an Cladh ghrad thug iad a’ chiste ’dh ’ionnsuidh na h-uadhach, agus dh’ fhaighneachd fear dhuibh cò aca chuireadh iad Domhull òg anns an uaigh fo ’n chistidh, no air uachdar na cisteadh. Dh’ aontaich iad uile gu ’m bu chòir a chur fo ’n chistidh o’n a bha e foidhpe o dh’ fhalbh iad o ghualla Ruaidhmhail. Thugadh o’n chistidh e ’s theannadh ri shineadh anns an uaigh. Sgìth agus claoidhte ’s mar a bha e, cha robh e deònach a thiodhlacadh beò, agus an uair a chaidh triuir no ceathrar de na fir ’na dhàil a chum a shìneadh anns an uaigh mu’n leigeadh iad sìos a chiste innte, thòisich e ri spreathartaich cho math ’s a b’ urrainn da. Ach mo thruaighe bha na ceatharnaich a bha ’n sàs ann tuilleadh is làdir a shon. Rug iad air ’s thilg iad air a’ bhial ’s air a shròin anns an uaigh e. Ghiulainn e gu foighidneach leis a h-uile ànradh troimh ’n deachaidh e gun fhacal a thighinn as a bheul; ach a nis cha b’ urrainn e cumail air fhein ni b’ fhaide. Leig e amh-ràn as, agus c’àite an d’ fhuair e e-fhein ach ’na shìneadh eadar a’ bheinge agus an teine ann an taigh a’ bhuachaille ann an Roisinnis. “Cha chreid mi, Dhomhuill òig, mur a robh sgeulachd agad roimhe nach ’eil sgeulachd agad a nis,” ars’ am buachaille. “Ma ta, ’s ann agamsa tha sin,” ars Domhnull òg, “cha ’n iarainn do m’ dhearg-namhaid ach a dhol troimh ’n fhicheadamh earrann de na chaidh mi troimh o ’n a thàinig an oidhche.” “Ma ta,” ars’ am buachaille ris, “bheir mise comhairle ort, ma bhios tu gu bràth tuilleadh air chuid oidhche ann an taigh, agus gu ’n iarr fear-an-taighe no bean-an-taighe ort sgeulachd a ghabhail, gabh i ma bhios i agad; agus mur bi té agad feuch ri te dheanamh.” Dh’ innis e facal air an fhacal mar a thachair dha o thus gu déis, fhad ’s a’ bha e ’n a chadal. Agus an uair a chriochnaich e a naigheachd thuirt e, “Cha mhor nach ’eil mi cinnteach gu robh mi aca fo ’n chistidh, oir tha mo chaol-druim gu bristeadh.” Thug fear-an-taighe sùil thar a ghuaille ’s thuirt e ri Domhull og, “Cha ’n ioghnadh leam-sa do dhruim a bhith goirt, oir bha ceann a’ mhuilt ghlais a mharbh mise feasgar an taice ri d’ chaol-druim fhad ’s a bha thu na d’ shineadh, agus ’s e ’n adhairc aige a bha ’g ad ghoirteachadh.” IAIN. [TD 404] [Vol. 3. No. 51. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1.52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu. J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney Cape Breton. SIDNI, IUN 22, 1895. A BEINN A MHARBAIL. Air feasgar Di-sathairne s’a chaidh bha fear Aonghas Mac Aoidh, a tha fuireach air an eilean a tha mach bho Bheinn a Mharbail, anns a Bhai ’n Iar, air tir aig aon de na storaichean ag iarraidh luchd bàta de bhathar tioram. Air a thurus dhachaidh, ’sa ghaoth àrd ’si fada cheann, ghluais pàirt de’n bhathar gu aon taobh, ’s aig a cheart àm thainig oiteag chruaidh ghaoith e, agus chaidh am bàta thairis agus lion e. Bha e mu chairteal mile bho’n eilean. Air dha fhaicinn nach robh cobhair faisg air, ghabh e a shnàmh. Thug e leis coig puinnd shiucair, agus uiread eile de thi, agus thug e iad gu tri tioram! Bha leth-phunnd tombaca na phòca. Chunnaic cuid de luchd na tire am bàta ’dol fodha, agus dh’ fhalbh sgioba treun le cabhaig mhoir, ach air dhaibh an t-àite a ruighinn, cha robh sgeul air Aonghas. Bha iad cinnteach gu robh e caillte. Thionail iad na bha dhe’n bhathar air uachdar an uisge, agus chaidh iad gu tir gu muladach, a dh’ innseadh an sgeoil d’a mhnaoi. ’N uair chaidh iad a stigh, ’s ann a bha Aonghas ’na shuidhe ri taobh an teine gu socair, sunndach, ’s e ri bàrdachd do mar a thachair dha. Chleachd Aonghas an snàmh ann an làithean ’òige, agus ’s ioma latha bha sin feumail dha. Beagan us da bhliadhna air ais, air an t-seachdamh atha de ’n fhaoilteach, ’s a ghaoth far a’ chladaich, dh’ fhalbh am bàta, ’s ma dh’ fhalbh, dh’ fhalbh Aonghas as a dheigh air an t snamh. Bha e astar mor air falbh ma’n d’ rug e air. Bha ’n latha cho fuar ’s gu robh eagal air na’n rachadh e dh’ an bhàta gu’m biodh e air a lathadh, agus ’s ann thug e am bàta gu tir as a dheigh! Tha iad ag radh nach robh aige riamh ach barail glé shuarach air an fhear a bha sinn, “Is truagh nach robh mi an riochd na faoilaig, a shnàmhas aotrom air bhàrr nan tonn.” Snàmhaidh e-fhéin air bhàrr nan tonn cho aotrom ri faoileag sam bith. PIL. Iubili Strathalba. Tha Gàidheil Strathalba, ann an Eilean a Phrionnsa, ag ullachadh air son ceann an leth-cheud bliadhna de dh’ aois a cho-thionail aca chumarl air chuimhne air an treas latha de’n ath mhios. Tha sùil ri cruinneachadh mor de mhuintir an àite agus de ’n càirdean as gach cearn mu’n cuairt, a bhi làthair air an latha ud. Bidh òraidean air an liubhairt le ministearan agus le muinntir eile aig a bheil bàigh ris an earann ud de’n Eilean. So agaith cuid de na puingean air am bi iad a labhairt.— I. An t-seana mhuinntir, no ceud luchd-àiteachaidh Strathalba. II. Ath-chuimhne air nithean a thachair ’san àite anns na làithean a dh’ aom. III. Teachd air aghart an t-sluaigh ann an cùiseibh an crannchair, agus ann an cùiseibh eaglais, fad an leth-cheud bliadhna a dh’fhalbh. IV. Iomradh air na Teachdairean a shaothraich anns an sgire anns na làithean a dh’ fhalbh; cuid dhiu fathast beò, agus a saothrachadh an aitean eile, ach cuid eile dhiu a chriochnaich an obair ’sa tha nise mealtuinn an duais. Agus mar sin sios. Tha dòchas gu’m bi an latha na lathe taitneach do mhuinntir Strathalba ’s do’n càirdean a measg nan cnoc ’s nan gleann ’san d’fhuair iomadh diu an breth ’s an àrach; agus gu’m bi am beagan tha fathast beò de’n mhuinntir a dh’ fhàg tir an dùthchais taobh thall a chuain, leth cheud bliadhna ’us còrr air ais, ’ga mheas na ni iomchaidh a bhi mar sud a beachdachadh air a chaochladh a ghabh àite o’n uair a thog iad na bothain bheaga logaichean a measg nan craobh. Ghiulan iadsan uallach agus teas an latha agus tha e ceart gu’m biodh iad air an cuimhneachadh le caoimhneas leothasan a tha air dol a steach nan saothair. C. An t-Og-Mhios 12mh, ’95. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain sam aite cheudna. [TD 405] [Vol. 3. No. 51. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Dr. T. C. Mac Leòid an deigh oifig fhosgladh ann an Sidni, ’san tigh anns a bheil Moore & Johnston ri ceannachd. Tha sinn an dóchas gu soirbhich gu math leis. Tha ’n t-side o chionn seachdain gle bhlàth agus anabarrach tioram. Ma leanas an tiormachd ’san teas moran na’s fhaide, bidh am feur ’s am bàrr ais a mhilleadh. Chaochail Domhnull Blue, duin’ òg a mhuinntir Orangedale ann am Boston an deigh dha bhi tinn ùine ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh, agus bha e air a thiodhlacadh ann an cladh Hogomah. Bha moran chàirdean aige, ann am Boston agus aig an tigh. Tha daolag a’ bhuntata glé phaiit am bliadhna. Ann an caochladh chearnan de’n eilein, tha iad anabarrach pailt, agus ma leanas iad rompa, ni iad barrachd millidh air a’ bhuntata ’sa rinn iad bliadhna fhathast. Tha ’n sgeul ceudna a’ tighinn á Eilean a Phrionnsa. Tha ’n t-àm aig cuid-eigin innleachd a dheanamh air cur as dhaibh gu buileach neo ’s co math do dhaoine sgur a chur buntàta. Bha da shòitheach-cogaidh, soitheach Breatunnach agus soitheach Frangach anns an acarsaid fad na seachdain so. Thàinig an soitheach Frangach a stigh feasgar na Sàbaid, agus an soitheach Breatunnach (an Canada) feasgar Di-màirt. B’e Dior-daoin co-ainm an latha thainig a bhan-righ Victoria air a chrùn, agus mar urram do’n latha, loisg gach té dhe na soithichean urchair-air-fhichead aig meadhon-latha. Bi’dh an “Canada” a’ fàgail a phuirt an diugh. Rinneadh bàthadh muladach ann an Amhuinn Ormell, an Eilean a’ Phrionnsa, o chionn ghoirid. Bha dithis bhràithrean de’n ainm Hughes air am bàthadh aig iochdar fearann an athar, comhla ri duin’ eile de’n ainm Daly, a bha ’cumail sgoile ’san sgireachd. Tha iad a deanamh mach gu’n deachaidh fear dhiubh a mach a shnàmh, gu’n deach e fodha, agus gu’n deach an dithis oile mach ’ga chufrdeachadh, agus bhàthadh an triùir. Bha teaghlach aig Daly. Cha robh anns an dithis eile ach gillean oga. Tha chùirt mhòr ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor de chàsan air a beulaobh, agus cha’n eil teagamh nach fheumar cuid dhiu a chur seachad gu cùirt an fhoghair. Chaidh an càs aig D. G. Domhnullach, a thaobh airgiod a bhanca-chaomhnaidh, a thilgeadh a mach leis a ghrand jury, agus cha deachaidh e gu cùirt idir. Tha fear no dithis ri bhi air fheuchainn air son bristeadh priosain. Bha chùirt mhor ann am Port Hood o chionn da sheachdain. Cha robh moran chasan a b’fhiach air a beulaobh. Bha fear Domhnull Mac Aonghais, a mhuinntir cùl Hogamah, air fheuchainn air son each a mharbh e, agus fhuir e còig bliadhna dhe’n tigh-oibreach. Chaidh an tigh aig Domhnull Caimbeul, ’an ceann Baighe Hogamah, a’ losgadh air Di-haoine, an t-seachdain roimh ’n té s’a chaidh. Cha d’ fhuaireadh ach beagan dhe na bha na bhroinn a shabhaladh. Thainig seann duine mhuinntir a bhaile, Domhnulll Mac Gilleain, ri bheatha fhéin air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fhàg e ’n tigh ’sa mhaduinn Diluain; bha àireamh dhaoine ’ga iarraidh fad cheithir latha, agus fhuaireadh a chorp maduinn Di-haoine an crochadh ri croibh a mach ’sa choille. Bha e mu thri fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois. Bha latha mor da-rireadh aca ann an Louisburg Di-luain. Bha àireamh mhiltean sluaigh cruinn as gach cearna dhe’n dùthaich, agus bha’n t-side cho briagha ’sa b’urrainn duin’ iarraidh. Bha soitheach cogaidh Breatunnach, an “Canada” air acair anns an acarsaid, agus aig meadhon-latha chuir i fàilte air an latha ’s air a’ chuideachd le urchraichean fuaimeara nan gunnaichean-mora, agus am feadh ’sa bha ’m bàt-aiseig a toirt an t-sluaigh thairis dh’ ionnsuidh an t-seana bhaile, mhairts na seòladairean timchioll ceann na h-acarsaid ’s ghabh iad an àite mu’n cuairt de’n chàrn. Bha àireamh de shoithichean beaga anns an acarsaid, agus bha bratach an crochadh ris gach crann. Bha na h-uile ni a bh’ ann ag innseadh gu robh ’n latha ’na latha air am bi cuimhne fad ioma latha ’s bliadhna ri teachd. Thòisich an t-seirbheis aig da uair feasgar, agus am deigh òraidean fileanta bhi air an liubhairt le daoin-uaisle as na Staitean ’sa Canada, bha ’n còmhdach a bha falach a chùirn air a toirt a nuas le Mr. Daly, Riaghladair Nova Scotia. ’N uair a bha e ’deanamh so, sheas na seòladairean, le’n cuid ghunnachan an togail, mu choinneamh a chùirn, chluich am band “Dhia, gleidh an Crùn,” agus rinn an sluagh air fad iollach a chluinnteastar math air falbh. An deigh sin chaidh dealbh a chùirn ’s na cuideachd a tharruing, agus an sin sgaoil iad. Bha gach ni bh’ann gle bhrigha bho thoiseach gu deireadh, agus ’s e ar barail nach robh duine làthair leis am b’aithreach a bh’ ann. Bu mhor an t-sochair leinn fhéin a bhi lathair, a’ cumail cuimhne air treubhantas nan laoch a chog gu duineil ’s a choisinn do chrùn Bhreatuinn an daingneach mhor, laidir a bha ’na seasamh an sud ceud gu leth bliadhna air ais. Minard’s Honey Balsam, math gach nair. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-iomaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SYDNEY,—C. B Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach grabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C. B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART, INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 406] [Vol. 3. No. 51. p. 6] COMHAIRLEAN MHIC-CAILEIN D’ A MHAC.* MU’N TUATH ’S MU’N OIGHREACHD. A MHIC,—Bidh e duilich dhuit tighin air ceart nan nithean so a thaobh gach cuimrig a bhios ’s an rathad ort ri linn dhuit tighin a stigh air an oighreachd. Gun ghuth thoirt air na shluigeas an Crùn d’ i, is ioma fear-fuadain a th’ ann gu tagartas a dheanamh oirre, agus sin an ainm na còrach. Cha ’n fhuilear dhut, ma ta, d’ uile dhìcheall a dheanamh, agus a bhi air do ro-fhaicill, ’s na tha de naimhdean mu ’n cuairt dut. Is e d’ fhearann-sinnsireachd gun teagamh is dualaiche leantuinn riut. H-uige so, ma ta, féumaidh tu an t-seann-tuath a chumail air an aon-laraich, agus an tàladh gu caideach riut le mùirn ’s le caoimhneas. Le bhi bho chian an làraichean an seanairean fo dhìon Mhic-Cailein, tha iad a nise cho deòthasach umpa ’s nach togair iad air chor sa bith gu d’ dhìobairt, na ’s lugha na thuigeas iad gu ’m beil thu air cìnntinn fuar riu, agus coma mu d’ bhuannachd fhéin. Fhad ’s is Mac-Cailein is ainm dhut, agus a sheasas an tuath air do chùl, bidh e ionann ’s do-dhéante dhut do chòir-dhligheach a chall. Tha ’n oighreachd cho farsainn agus bailtean dh’ i cho lethoireach ’s gu ’m beil cuid dh’ i nach aithne dhòmhsa mi fhéin, gun ruig a’s i bhi fo leagadh làmh na h-arfuntachd: is ioma dligheachas a fhuair mi, agus seirbhis-claidhimh a rinneadh dhomh air son còrach nach deachaidh riabh an leabhar. Thaobh an fhearainn-cheannaich, tha farmad-cùirte nach deic mar a thà ris, air chor ’s nach comhairlichim dhut moran strìth a dhèanamh mu dhéibhinn a tharrainn a’ chòrra ort. Bidh màl na seann-oighreachd ’n a làn phailteas dhut. Cha robh riabh agam air mo thighin-a-stigh bhàrr na h-oighreachd an Albainn, ach ionann ’s mar dhìoladh-fhiach an éirig mo chostais. Cia dhiùbh ni e suas sin dutsa no ’n còrr, cha ’n ion dut bhi cùnntadh air. Cha ’n àm na tìmeannan so gu seasamh a mach mar a b’ àbhaist: is iomad arfuntachachadh a rinneadh air uaislean na h-Alba; ach cha ’n fhiosrach mi gu ’n cuala mi riabh gin is dòcha dha tachairt da na dhutsa. C’ uime cheilinn ort e? mar a dh’ innis mi roimhe dhut, is culaidh fhuath a’s éud nach ’eil faoin sinn. Air an aobhar sin, féumaidh tu gach meadhon laghail a thàrras tu, a chur an gnìomh, gus do theasraiginn bho léir-sgrios. Féumaidh tu truas a dhùsgadh ’n ad aobhar—rud nach duilich dhut. Tàirnidh sin bàigh ort, agus gabhar spéis dhiot; agus bho spéis, thigear gu bun a’s earbsa chur annad—an rud is luaithe sa bith a ni do shocrachadh ’n ad sheilbh. Ma gheobh thu mar so air a h-ais do chòir-dhligheach,—agus tha h-uile dòchas agam gu ’m faigh, cia dhiùbh gheobh no nach fhaigh thu d’ ainm a’s d’ inbhe—cumhnich nach dean thu dearmad air do thaingealachd a dhearbhadh do d’ dhìlsean a bhuin gu h-onorach riut; ach thoir an t-seal-aire nach teid thu tuilleadh ’s fada leis, fàgail a tha mar is trice fuaighte ri uaislean na h-Alba. Oir, bho ’n a ghearrar dhìot sgiathan do mhòrachd, cha teid agad air éirigh suas a dh-aon-ionnsaidh; agus an àite d’ earbsa chur ’n ad chumhachd fhéin is ann a dh’ fhéumas tu nise do bhun a chur an gaol ’s an tairisneachd do chuid tuatha,—oir ’s iadsan do chùltaice ’s do chala-tiarnaidh. Dean m’ ainm-sa ghlanadh bho ’n droch-alla thogadh orm—a bhi ’n am uachdaran cruaidh-chridheach gun iochd; agus le feothas do nàduir, fiach am faigh thu le ciùine làmh-an-uachdar air gach buaireas a’s anshocair a dh’ fhaodas tighin ’n ad rathad,—ni, ’n a uaireannan, a thug dùlan dòmhsa an là a b’ fhèarr a bha mi riabh. Fhad ’s a tha ’n ad chomas seachainn lagh a’s cònspaid—leò, nitear do ghnothaichean uaigneach follaiseach. Gabh ealla ris gach calldach a’s éucoir nach dèanar suas dhut gun dol a dh-iomairt lagha; agus bi strìochdte fo gach ainneart nach gabh leasachadh dhut. Air tùs cruinnich d’ fhortan, ’s gur sgapteach e, gu dluitheil ri chéile; agus le caitheamh-beatha stòlta, sìtheil, daingnich do ghréim air do sheilbh; air chor ’s ma chuirear mu d’ choinneamh do chòir-dhligheach a dhearbhadh, nach bi thu ’n cunnart, a thaobh an nì sin nach leat. Suidhich d’ fhearann air cho beag de làmhan ’s a dh’ fhaodas tu. Na cuir air imrich tuathanaich a thug thu aonta dhaibh roimhe, no neach sa bith a bha fo d’ rian air sheòl eile. Gu h-àraid na cuir air falbh seirbhisich do ’n aithne do ghnothaichean a mharachadh; oir, a thuilleadh air e bhi ’n a shocair dhut, gleidh e dhut tiarainnteachd nach beag. Mar nach b’ àill leam lughdachadh a thighin air no mheas leis an dubh-bhochdainn, amhuil sin cha bu mhath leam gu ’n deanadh ailis-bheairtis béud ort; agus gus an seachnadh le chéile, féumaidh tu tighin suas air cuibheas—gun chrìne gun strògh, gun a bhi mar a bha Diogenes no mar a bha Divus. Mar is mò dh’fhidrichear mu staid na h-oighreachd, ’s e ’n gliocas dut a’ mhiad sin a cumail an ceilt,—rud is urraìnn dut a dheanamh gun chunnart ’s gur h-ann ’n ad leisgeul fhéin a bhìos tu. Ach tha mi creidsinn gu ’m faod an oighreachd a bhi na ’s tiarainnte fo bhiùthanas an ama chaidh seachad—is e barail feadhnach gu ’n d’ fhàg mise i air rian cuimseach, math—na bhios i le seòltachd do ghliocais-sa, no air gabhaltas, no bonn stéidhe nobha sa bith eile; agus saoraidh sin thu o bhi ’n ad chulaidh-fharmaid. Cum thu fhéin an luib a-stigh asgailt an fhortain a bhuilich Dia ort, ciod sa bith e; ma bhios tu làn-thoilichte leis, meallaidh tu rùintean do naimhdean. Co aig tha fios nach e dòigh is fhéarr. Is ioma caisleachadh bu mhò fhuair oighreachdan eile; ach an ionad an cur ás am bonn, ’s ann a fhriamhaich iad le barrachd gramalais na bha aca riabh roimhe. Ge b’ e fear ris an earb thu riaghladh na h-oighreachd, thoir an t-sealaire nach leig thu ’n ailm á d’ achlais fhein. Cùm mion-chùnntas air gach bònn a phàidheas tu agus a thig a stigh dhut; cumaidh e d’ fhadal dhìot, agus thig e gu d’ bhuannachd; oir cumaidh a’s gleidhidh e do sheirbhisich ri ’n dleasnas, agus, air an aobhar sin ’n ad dheagh-ghean. A chaoidh na tarrainn téinn ort fhèin le mi-chiall no struidhealachd—le airgead a ghabhail an iasad air urras, no ’n geall na h-oighreachd, no ràthan a’ mhàil. Bheir iomfhasgladh caraid ort dol an urras; ach thoir an aire nach ’eil e saor bho chunnart dut, ach a bharrachd air nach gnìomh duin’-uasail an dà sheol eile, caillidh tu do chreideas leo, agus bidh iad ’n an réudain ag cnàmh na h-oighreachd. Nullum numen abest, si sit prudentia tecum. Eadar. le ABRACH *The Marqnis of Argyll’s Instructions to his Son. London, 1689. [TD 407] [Vol. 3. No. 51. p. 7] Minard’s Honey Balsam, leigheas cinnteach. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS. Leighis mi droch reubadh air each le MINARD’S LINNEIMT. St. Peters, EDWARD LINLIFF. Leighis mi droch at air each le Minard’s Liniment. Bathurst, N. B. T. W. PAYNE. CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B., Mai 6, ’95. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 107 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Taillearachd. Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le Donnacha Mac Ill-Fhinnein a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le Niall Mac Fhearghais, tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi San Fhasan. [TD 408] [Vol. 3. No. 51. p. 8] OISEIN DO ’N GHREIN AN AM EIRIDH. A ghrian na h-og-mhaidne, ’s tu ’g eiridh Air sleibhtibh coir le d’ chiabhan aillidh, ’S ait ceuman do theachd air an aonach, ’S gach caochan mear sa ghleann ri gaire. Tromh dhriuchd nan caoin fhras tha croinn uaine Ag eiridh a suas gu bras ad chomhail, Is filldh bhinn nan coilltean fasail A cur failt’ ort gu moch le ’n oran. Ach cait a bheil air sgiathan siubhlach Roimh ghloir do ghnuise triall na h-oidhche? Is cait a bheil aig duibhr’ a comhnuidh, Is uamh chosach nan reultan soillseach? ’N trath leanas tu ’n ceuman gu h-uallach, Mar shealgair gan ruagadh ’sna speuran; Thus’ a direadh nan aonach arda, ’S iadsan air beanntan fàs a leumnaich. ’S aoibhinn do thriall a sholuis aghmhoir, A sgaoileas le d’ dhearsadh gach doinionn, Is maiseach do chleachdan dluth or-bhuidh A snamh siar ’s do dhoigh ri pilleadh. Le seachran an dall cheo na h-oidhche, Cha ghlacar thu a chaoidh ad chursa, Is doinionn dhoirbh nan cuantan gabhaidh Cha seid le ’n neart gu brath o t’ iul thu. Le gairm na ciuin mhaidne bidh t’ eiridh, Is do ghnuis fheillidh ’dusgadh sonais, A fogradh na h-oidhch’ o gach aite Ach suil a bhaird nach faic do sholus. Ach mar ta mise, a ghrian mhaiseach, Bidh tusa fhathasd, anfhann, aosliath; Do shiubhail mall ’ad chuairt sna speuran, Do shuil gun leirsinn ’s tu ’ad aonar. Do ghnuis bidh doilleir mar a ghealach, Do shlighe cha lean thu ’sna speuran; Binn chaismeachd na maidne cha chluinn thu Bidh tu mar shaoidh gun luaidh air eiridh. An sealgair seallaidh ’n ear o ’n leacain, Ach chan fhaic e ’teachd t’ aogas sgiamhach; Bruchdaidh a dheoir’s e pilleadh fo smalan,— ‘A mhadaidh mo ghraidh, threig a ghrian sinn.” Tha na rannan so air an tabhairt bho “Shean Dana.” ’S e ’s dòcha gur h-e ’n t-Olla Mac-a-Ghobha e-fein a b’ughdar dhaibh. M’ ANAM, IMICH THUSA SAMHACH. LE MARI NIC-A-CHLEIRICH. M’ anam imich thusa sàmhach Fo gach amhghar agus leatrom; ’S e do thruailleachd a thaobh nadair Aobhar t’ anraidh mar mo bheachd-sa. Greas is amhairc cia mar tha thu, Seall le naire ri do chleachdadh, ’S faic an sac ’tha air do ghuaillibh Le do ghluasad bhith gun fhaicill. Bhon a rugadh ann ad thraill thu, ’Thaobh do phairt anns a’ cheud sheachran, Iomraidh faighidneach gach doruinn, ’S biodh do bhron airson do pheacaidh. Tha do thoil an deidh a truailleadh, Rag ri ’gluasad ’chum do leasa; Dh’easbhuidh cumhachd a bheir buaidh oirr’ Gheibh thu ’m bas a’s duais do’n pheacadh. Seall a nise ciod a ni thu, ’S teich le dichioll dh’ionnsaidh taice; Fag do chudrom air do ràthan, Tha e ’ghnath cho math ri ’fhacal. Thig le irioslachd is dòchas Dh’ iarraidh comhnaidh o’n Aon bheairteach; Creid an tus gu bheil e maoineach, ’S iarr de ’dhaonnachd ’reir a phailteis. Thig le d’ dhoille, ciont’, is daorsa, Fag ’na aonar air do leatrom; Iarr air teagasg, riaghladh, ’s saoradh, Tha e aontaicht’ ri ’n toirt seachad. Seall le muinighin an airde ’Chum nam beann d’ a bheil do thaitneas; Nuair a’s trioblaidiche ’chual duit Amhairc ’suas ri Triath nam feartan. Cairich t’ eallach air a ghuaillibh, Oir ’s ann uaithe ’thig do neart-sa: ’S ge nach beachdaich thus’ a ghluasad, Creid gu luath gu bheil e faisg ort. Feith gu faighidneach ri ’thim-san, ’S imich direach ’reir a reachda; Ruith do reis le fair’ is dichioll, ’S ann le strith a ni thu streapadh. Nuair ’bhios fiaradh ann ad chrannchur, Creid gun tionndaidh e gu d’ thaitneadh; Bheir seillein math a luibhean searbha Mil ’bhios tarbhach, brioghmhor, blasda. Ged bhiodh ’m Freasdal dhuit air uairibh, Tuille ’s cruaidh a reir do bheachd-sa, Tuig gur gliocas ’thug mu’n cuairt e, ’S gheibh thu buannachd as am pailteas. Bi-sa furachail mu ’aithntibh, Bho staid nadair teich ’na thaice; ’S glac an gealladh lan de shith-shaimh Ann an Criosd a dhiol an ceartas. Air do thuras do Chanaan Ged robh ’m fasach lan de chroisean, ’S iomadh bruthadh air do shailtibh, Lean-sa ’ghnath ri lorg a’ ghaisgich. Thug e buaidh os-cionn do nàmhad, ’S bheir e gras an am an h-airce; Ruith d’ a ionnsaidh le fein-aicheadh, ’S dearbh nach failnich do chul-taice. Marbhaidh Cherokee Vermifuge biastan. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor. Minard’s Family Pills, glan, fallain. Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh esachd. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. Harrington & Co. Sidui C. B. MacDonald Hanrahan & Co. Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai, 4. ’95. [TD 409] [Vol. 3. No. 52. p. 1] Mac-Talla. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 29, 1895. No. 52. Tuilleadh mu na “Maories.” B’ àbhaist do na Maories a bhi ’g ithe moran mhaorach. Tha dùin de shligean air bruaichean nan acarsaidean anns gach àite far am biodh iad ’g an cruinneachadh, tri no ceithir troighean a dh’ àirde, agus fiar a’ fàs orra. Tha na sligean ri’m faotainn air mullach nan cnoc anns gach àite far am biodh na Maories ’g an giùlan air son an itheadh, ’nuair bhiodh iad fo ruaig aig an naimhdean. Tha ’chuid a’s mò dhe na sligean coltach ris a chlam a gheobhar ann an America. Sguir iad dhiubh so o chionn fhada; bha cus oibreach ann a bhi ’g an cladhach as a’ ghainmhich. Tha seòrsa eile ann ris an canar am pipi, maorach da-shligeach, beag, cruinn, agus cruaidh, mu mheudachd buntàta beag, ri fhaotainn air tràigh na mara. Le beagan deasachaidh, tha iad glé mhath ri ’n ithe, agus tha iad measail gu leòr aig na daoine geala. Tha na h-eisirean pailt ann an àiteachan cuid dhiu a’ fàs air na clachan. Tha ’n t-slige biorach cruaidh, agus tha e duilich am fosgladh. ’N uair bha iad glé phailt, bhiodh iad ’gan cur air an teine air son toirt orra fosgladh, ach tha lagh na dùthcha an aghaidh sin an dràsda. Tha na h-eisirean ainneamh math anns an dùthaich so. Tha ’n t-slige chreachain ri faotainn uaireannan ann an aiteachan eu-domhain. Bidh ’n fhairge, ’nuair a bhios i glé throm ’g an toirt a stigh. Cha bhi sin ach glé ainneamh, agus tha luchd-eòlais anabarrach deigheil air greim fhaighinn orra. Tha aon seòrs eile de mhaorach anns an dùthaich air an toir mi iomradh. Tha ’m fear so cho coltach ris an fhiasgan ’sa tha aon sgadan ri fear eile, ach tha e mòran na’s motha na e; ’s e dh’ fhaodas fàs mòr, ’s gun deigh no reothadh ann gus a chumail air ais! Tha e còig no sia dh’ òirlich a dh’ fhad, agus e luma lan bidh. Tha e ’fàs ann an uisge tana. Tha tanalach mhor air taobh a muigh na h-acarsaid so. Thig na Maories, eadar fhirionnaich us bhoirionnaich, eadar chailleachan us chloinn bhig ’g an iasgach ’nuair thig an t-àm. Fanaidh na seana chailleachan air tir còmhla ris a chloinn bhig, agus theid càch uile mach dh’ an ghrunnd iasgaich, nuair bhios an làn a mach. Bidh gach aon dhiubh leth rùisgte agus theid iad fodha ann an ceithir no coig de throighean uisge a thional nam fiasganan. Bidh am bàta laimh riu, agus leanaidh iad air an obair gus am bi e làn, agus gabhaidh iad an sin cothrom an làin-mhara gus faighinn gu tir leis. ’S e obair nam boirionnach a bhios air tir na fiasganran a ghlanadh o chlachan beaga ’s o gach salchar eile bhios a’ greimeachadh riu. Theid an sin am bruich anns a Kapura Maorie, air an d’ thug mi iomradh roimhe, agus an tiormachadh ris a’ ghrein air son iad a bhi aotrom ri ’n giulan dachaidh. Bidh moran Mhaories a’ gabhail tàmh air an rudha so, an àm an iasgaich, agus tha iad an comhnuidh ’g an giulan féin gu sitheil modhail. Air son iasgach eile tha lin fhada aca, a ghlacas gach seòrsa creutair a thig ’na rathad. “Ge be gheobhar ’san lion ’s iasg e.” Tha ’n lion mu dha fhichead mogul (tri òirlich) air doimhne, agus glé fhada. ’S ann an uisge tana chuirear a mach e. Tha ’n lion air a dheanamh mar so: Theid an tobha-cinn a ruith a mach gu comhnard air an talamh agus a cheangal. Faodaidh na thogras an sin suidhe mu’n cuairt agus oibreachadh air, a’ tòiseachadh aig an tobha-chinn, agus a leantuinn rompa gus am bi e air a chriochnachadh. Tha fiodh gle aotrom a’ fàs mu’n cuairt a fhreagras an àite àrc air son cumail an lin an uachdar, agus tha clachan air a cheangal ri iochdar an lin gus a chunnail fodha. ’Nuair a ghlacair an t-iasg, theid a leth bhruich, agus an sin air a thiormachadh ris a ghréin gus am bi e cho cruaidh ris a chloich. Tha an dòigh ghreidhidh so car coltach ris mar a bhios na Lochlunnaich a gréidhead an Stock-fish. Tha iadsan a tionnachadh an eisg leis a rothaig, agus na Maories leis a ghréin. Tha na Maories coma de shalunn ann an doigh sam bith. Ach ’s ann tha ’n t-iasgach mòr aca nuair bhios iad a’ glacadh mam biorach. Tha ’bhiorach ann an so moran na’s mò na tha e an America. ’S e h-ann iasg mor fuilteach. Tha iad a’ glacadh feadhain a tha ceithir no coig a throighean a dh’ fhad. Cha’n eil greidheadh r’a dheanamh air an iasg sin ach a sgoltadh bho’n cheann dh’ ionnsuidh an earbuill, ’s a chrochadh no chur tarsuinn air maidean mu choinneamh na gréine, agus gu dearbh cha chùbhraidh am fàile bhios dhiubh. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z. Sean Fhacail. Is fhearr do dhuine bhi ’snaim nan sop na bhi ’na thàmh. Is fhearr eòlas math na droch chàirdeas. Is fhearr siol caol coirce fhaotuinn á droch fhearann na bhi falamh. Is fhearr sith na circe na ’h-aimhreit. Is fhusa comhairle thoirt na comhairle ghabhail. Is fhurasda duine gun nàire bheathachadh. Is i ’bhonaid bhiorach a ni ’n gille smiorail. Is i an dias a’s truime a’s isle chromas a ceann. Cuidich leat fhéin ’s cuidichidh Dia leat. Cuir a mach an Sasunnach ’s thoir a stigh an cù. Dé am feum a tha ’sa phiob mur cluithear oirre. Dean do ghearan ri fear gun iochd, ’s their e riut “tha thu bochd.” Minard’s Family Pills, glan, fallain. [TD 410] [Vol. 3. No. 52. p. 2] EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH. (Air a leantuinn.) Bha aig a ’Phrionnsa fodha air an àm so, ochd-ceud-deug de dhaoine curanta, treun, dian, togarrach gu bhi ’n sàs anns na saighdearan dearga, agus na-m biodh iad air tachairt riu air a’ cheart là sin, is cinnteach sinn, mar a thubhairt an t-Oran, “Gur iad a luaidheadh an clò ruadh gu daingeann.” Ghlac Tèarlach féin spiorad nan Gàidheal. Thòisich e air an cànainn ’ionnsachadh, thogadh e ’n Luinneag leo air an t-slighe; chuir e ’suas breacan-an-fhéilidh, leis an làn éideadh Ghàidhealach; agus anns an fheachd air fad cha robh na bu lùthomhoire a shìubhladh garbhlach nam beann na e. Mu ghlasadh an latha, dhìrich Tèarlach ’s a chuid daoine ri uchd Choire-ghearaig, agus an déigh a bhi dlùth do’n mhullach, leig iad iad féin ’n an sìneadh ’s an fhraoch, ’an dùil gu’n tigeadh Cope; ach cha b’ fhada gus an d’ fhuair iad brath gu-n do thàr e as do Inbhirnis. Thog iad iolach le buaidh chaithream, a ’deanamh uaill á gealtaireachd nan saighdearan dearga; agus dh’ òl iad an deoch slàinte. Thog am Prionnsa ’s a chuid daoine orra a stigh troi’ Bhàideanach agus troi’ Atholl, do mhachraichibh nan Gall. Agus mar a’s fhaid’ a chaidh iad air an aghaidh, ’s déigheile a chinn na daoine mu’n Phrionnsa. Choisich e ra’n taobh guala ri guala, a’ dol o chuideachd gu cuideachd a’ seanachas leo mu eachdraidh gach cinnich agus teaghlaich, ionnas nach robh duine fodha nach dùraichdeadh fuil a chridhe a dhòrtadh air a shon; agus is cuimhne leinn gu maith ’n ar n-òige cuìd do na seann laoich a bha maille ris, ’fhaicinn a’ sileadh nan deur ri iomradh air ’ainm, agus ag aithris na thachair ’s an àm. Mheudaich am feachd gu mòr mar a chaidh iad air an adhart. Mar dh’ atas an abhuinn mhòr ann an Tìr nam Beann o’n d’ thàinig iad, leis gach caochan a tha ’sruthadh innte o gach gleann mar a tha i ’dol seachad. AM PRIONNS’ ANN AM PEAIRT. Air an treas-là-deug de mhìos meadhoin an fhogharaidh thàinig e gu Peairt. Chuir e suas air an là so deise rìomhach do bhreacan, air a h-uidheamachadh le h-òr, a chomharraich a mach am flath rìoghail sin am measg nam mìltean. Dh’ fhàiltich sluagh a’ bhaile mhòir so e, le mòr dhealas, agus chaidh iad leis mar aon duine le h-iolach ghàirdeachais a chum an tighe ’s an robh e gu tàmh a ghabhail. Smaointich iad le h-uaill air greadhnachas nan làithean aoibhneach a dh’ fhalbh, ’n uair a chum sinnsire rìoghail Thèarlaich am mòid ’n am measg; agus cha b’ urrainn doibh beachdachadh air-san a thàinig a dh’ aiseag air ’ais dhoibh, mar a shaoil iad, mòralachd nan àmannan sin, gun mhòr thaitneachd. Cha robh ’s an àm so sgillinn ruadh ’n a sporan, ach thog e cìs anns na bailtibh mòra mu-n cuairt, agus chuir a chàirdean á Dun-éideann suim mhor airgid d’a ionnsuidh. ’S ann do Pheairt a thàinig Morair Deòrsa, bràthair Dhiùc Athuill, an toiseach d’a ionnsuidh: saighdear curanta a thogadh ri cogadh o aois òige; agus thug Tèarlach dha, fodha féin, àrd riaghladh an airm. An déigh dha ’bhi ochd làithean ’am Peairt, ghabh e air ’adhart do Dhun-éideann. Cha’n fhiach aithris an t-ulluchadh faoin a rinneadh anns a’ bhaile mhòr so chum na Gàidheil a chumail a mach. Chuireadh trupairean Ghardner agus Hamilton a mach ’n an còmhdhail; ach cha luaithe a thàinig an t-arm Gàidhealach ’s an fhradharc na a theich iad. Chuir e gairm a chum a’ bhaile iad a strìochdadh, agus nach deanta dochair air ni no neach a bh’ ann. Bha luchd-riaghlaidh a’ bhaile deònach dàil a chur ’s an fhreagradh a bheireadh iad da, air dhoibh a chluinntinn gu’n d’ thàinig Cope agus an t-arm-dearg air tìr aig Dunbar. Ach cha d’thug Tèarlach mòran ùine dhoibh gu smaointeachadh; chuir e Mac Dhòmhnuill-duibh, Mac ’Ic Ranuill na Ceapach, Fear Aird-seile, agus O’ Suilibhan, le naoi ceud fear a ghlacadh a’ bhaile. AM PRIONNS’ ANN AN DUN-EIDEANN. ’N uair a ràinig am feachd so am baile fhuair iad an geata fosgailte, agus mu’n b’ urrainnear a dhruideadh bhrùchd iad a stigh, agus theich gach aon, le maoim rompa. Ghabh iad suas an t-sràid mhòr, a chum tigh’ an fhreiceadain; agus am Pìobaire ’seinn port caithreamach nan Stiùbhartach, “Gabhaidh sinne ’n rathad mòr Olc air mhaith le càch e.” ’N uair a dh’ éirich muinntir a bhaile, thuig iad gu’n robh mùthadh uachdranachd orra, leis nach robh cuid diubh ro thoilichte. ’N uair a chual’ am Prìonnsa gu’n robh a chàirdean ’an seilbh ’s a’ bhaile, ghluais e le ’fheachd gu Lùchairt riòghail a shinnsir. ’N uair a fhuair e ’cheud sealladh air an aitribh aosmhoir sin, far an do rìoghaich iadsan o’n d’ thàinig e ré iomadh linn, theirinn e o’n steud-each air an robh e ’marcachd, agus sheas e car tamuill ’n a thosd, a’ beachdachadh air an àite le geur dheòthas ’anama. Thàinig mòr shluagh a mach ’n a chòmhdhail g’a fhàilteachadh le gàirdeachas. Sheas e car tamuill a chum gu’m faiceadh an sluagh e. Bha e ’s an àm sin gu h-òg, eireachdail, an tréin’ a neirt. Bha e àrd, flathail; bha ’fhalt buidhe-ruadh; bha ’aghaidh ruiteach, le beagan do bhreacadh-sianain; bha ’mhaildhean àrd, dreachmhor; bha ’shùil ghorm gu tlàth, lìontach. Ann an aon fhocal, bha e ro àillidh, gun chron cumadh, mu shè troidhean air àirde; gu cruinn dealbhach, a’ nochdadh gu’n robh e gu làidir, fulangach. An dèigh dha cothrom a thoirt do’n t-sluagh air beachd a ghabhail air, ghluais e a chum na Lùchairt, air a’ cheart slighe air an deachaidh Rìgh Deòrsa IV. a chum an ionaid cheudna, seachd-bliadhna-deug agus trì fichead ’n a dhéigh sin. Do réìr coslais bha ’n sluagh mòr a chaidh a mach ’an còmhdhail Thèarlaich, ro shòlasach ’fhaicinn. Chunnaic muinntir Dhun-èideann, ’n ar latha ’s ’n ar cuimhne féin, Rìgh Deòrsa ag imeachd do’n àite cheudna, agus dh’ fhàìltich iad e mar a bu chubhaidh dhoibh le dealas àrd. Air an là ’s an d’ fhosgail Lùchairt nan Rìgh a dorsan aosda a chum esan a ghabhail a stigh, cha robh neach a’ tagradh a chòrach; agus b’e guidhe gach duine ’an Albainn, Dia g’a bheannachadh. Bheachdaich gach sùil le h-urram agus iongantas air an righ a b’ àirde agus a bu chumhachdaiche air thalamh. B’ esan gu’n teagamh an Rìgh laghail, agus dh’ innis an cinn agus an tuigse dhoibh gur ann dhasan a bhuineadh an rìgh-cholbh, agus crùn Bhreatuinn. Ach Tèarlach òg Stiùbhart, mar a d’ aidich an cinn gu’m b’e oighre Bhreatuinn e, dh’ aidich an cridheachan e [TD 411] [Vol. 3. No. 52. p. 3] Thàinig e ’nis ’n am measg, ’n a ghaisgeach curanta, flathail, le buidheann do laoich fhoghainteach nach strìochdadh. Mi-shealbhar ’n a òige, chunnaic iad e ’nis a toirt oidhirp àrd, chunnartach a chum cathair a shinnsir a chosnadh. Sliochd nan Rìghrean, is tric a’ threòraich Albainn gu blàr, ’s gu buaidh, cha b’ ìoghnadh ged a lùb a’ liughad cridhe leis, agus ged a thàirngeadh a’ cho liughad claidheamh as a leth. Ma dh’ fhàiltich muinntir na h-Alba Rìgh Deòrsa le h-urram agus meas mar a bu dligheach dha, dh’ fhàiltich iad an t-aon fa dheireadh de na Stiùbhartaich mar a bu dùth dhoibh le baigh an cridheachan. Dh’ fhàiltich iad Rìgh Deòrsa ’n a charbad rìoghail, le gàir aoibhneis; ach tha e air ’innseadh dhuinn gu’n robh breacan Thèarlaich òig Stiùbhart air a thaiseachadh le deuraibh gràidh na h-aitim a bha ’g iarraidh a phògadh. Bu latha sòlasach do’n Lùchairt aosda, an là sin ’s an do thilg i a dorsan gu fialaidh fosgailte do dh’ ogha an Rìgh mu dheireadh a bha ’chòmhnuidh ann. Bha cuid de dhaoine fhathast beò, a chunnaic mòr-chùis rìghrean ’s an talla sin, a bha ’nis o cheann fhada gu falamh fàs; agus bha mòran a chual’ o na daoine o’n d’ thàinig iad mu ghreadhnachas nan làithean sin; cha-n ìoghnadh, uime sin, ged a bha iad aoibhneach ’n uair a chual’ iad am mac-talla ’bha cho fada ’n a thosd, a rìs air a dhùsgadh agus a’ co-fhreagradh air feadh nan Lùchairtean aosda, “Fàilt’ a’ Phrionns’ òig.” LATHA BLAIR SLIABH-CHLAMHAIN. “Deanaibh ullamh ’chum ’ur turuis, ’S bithibh guineach, deònach; So an cumasg ’am bi na buillean An deantar fuil a dhortadh. Och a dhuine! ’s lìonmhor curaidh, Is fìor sturrail co-strì, A leigear bhàrr éille mar chuilein Dh’ fhaotainn fuil air Seòras! ’Mhoir’ is sgairteil, foirmeil, bagant’, Gàidheil ghasda, chròdha; Gach aon bhratach sìos do’n bhaiteal, Le’n gruaidh laiste ròis-dearg; Iad gun fhiamh, gun fheall, gun ghaiseadh, Rioghail, beachd-bhorb, pròiseil; Gu neo-lapach ri roinn gaisgidh, Spàinnich ghlas ’n an dòrnaibh.” Am feadh a bha ’m Prionns’ òg, ’s na Fineachan Gàidhealach a dh’ éirich leis, ann an Lùchairtibh a shinnsir ann an Dun-éideann, thàinig Sir Iain Cope leis an arm-dhearg air tir aig Dunbar, baile beag ’an cois na fairge, seachd-mìle-fichead an taobh an ear do Dhun-éideann; agus air an là ’m màireach ghluais e féin agus fheachd an coinneamh nan Gàidheal. Chaidil e féin agus a dhaoine an oidhche sin ann ’a Haddington, agus air an ath là ghabh iad air an aghaidh air an t-slighe do Dhun-éideann. Chuir e Morair Loudon agus freiceadan leis air an adhart roi ’n arm eile, an earalas nach d’ thigeadh am Prionns’ orra gun ’fhios. Ach cha b’ fhad’ a chaidh e ’n uair a phill e ’an deannaibh nam bonn, ag innseadh gu’n cual’ e pìobaireachd nan Gàidheal, agus gu-m fac’ e ’m brataichean coimheach. Chuir so ìoghnadh air Cope, ach cha do ghabh e eagal. Chuir e stad air an fheachd, agus tharruing e suas iad ’an òrdugh catha. Tamull beag ’n a dhéigh sin thàinig Tèarlach agus luchd nam breacan ’s an fhradharc. Bha iad so ’an àrd mhisnich, an déigh na fois’ a fhuair iad ’an Dun-éideann. Air an là so féin mu éiridh na gréine thàinig na Granndaich, Cloinn-Lachlainn, agus muinntir Athuill d’an ionnsuidh; agus chuir Tèarlach e féin air ceann a chuid daoine. Thubhairt e riu, Tharruing mi mo chlaidheamh, mo chàirdean, agus thilg mi uam an truaill. Fhreagair an t-arm e le h-iolach àrd, agus ghluais iad air an aghaidh, trì air doimhneachd a’ sìor chumail cothrom a’ bhruthaich, oir bu toigh leis na Gàidheil riamh cothrom a’ bhruthaich a bhi aca air an naimhdibh; a’ cuimhneachadh mar a thubhairt Eòghan dubh Mac-a’-Chombaich, Théid an taigeis féin gu dàna sìos am bruthach. Cha robh an t-arm-dearg ro-dhéigneil air teachd gu cumasg air an fheasgar sin, agus uime sin tharruing na Gàidheil a suas air leacainn air an robh fraoch agus conasg, far an do ghabh iad gu tàmh paisgte ’n am breacanaibh, an déigh dhoibh freiceadan làidir a chur a mach a dheanamh fàth-fheitheamh air an nàmhaid. B’i so a’ cheud oidhche fhuar a thàinig, o’n a sgaoileadh bratach Thèarlaich ann an Gleann-fìonain. Thuit air an oidhche so ceò dùmhail agur liath-reothadh, a chuir doimheadas mòr air an arm-dhearg, ach a mheasadh suarach le luchd-àiteachadh nam Beann. Thug Cope fainear teintean mòra ’fhadadh mu thimchioll an airm g’ an cumail blàth, agus a thoirt misnich dhoibh; ach leig Tèarlach ’s a chuid daoine iad féin ’n an sìneadh ’s an fhraoch, agus thugadh òrdugh gu’n smid a labhairt. An déigh do na daoine gabhail mu thàmh, thàinig òganach uasal, a bha ’n am measg air ’adhart, a thogadh anns an àite sin, agus a thairg iùl a dheanamh dhoibh troi’ mhòintich dhomhain a bha eadar iad féin ’s an t-arm-dearg, troi’ bhealach àraidh, leis am faodadh iad tighinn dlùth air an nàmhaid, gun iad a mhothachadh dhoibh. Dhùisgeadh am Prionnsa, a bha ’n a luidhe agus sguab pheasrach mar chluasaig dha. Chumadh comhairle-chogaidh, agus cho-aontaich iad comhairl’ an òganaich a ghabhail. B’ ann air Di-sathuirn, a’ cheud là thar fhichead de mhìos meadhonach an fhogharaidh, a bha na Gàidheil air éiridh trì uairean an uaireadair mu’n do thog a’ ghrian a ceann, gu latha Sliabh-chlamhain a chur. Ghabh iad a sìos troi’ ghlaic dhomhain, gun smid as an cinn. Cha robh e ’n comas an nàmhaid am faicinn leis a’ cheò dhùmhail a bha air an t-srath. Chuireadh Clann Dòmhnuill air an làimh dheis, urram a fhuair iad air Blàr Bhannockburn, agus a ghleidh iad anns gach cath uaithe sin, ach air cath ainmeil Harlaw, ’n uair a thug iad féin thairis i le ’n deòin do Shìol-Leòid. Air a’ mhaduinn so, bha Mac Dhòmhnuill-duibh ’s a chuid daoine, agus Stiùbhartaich na h-Apunn air an làimh chli, agus Clann-Ghriogair ’s a mheadhon. Bha Diùc Pheairt ’n a Cheannard air an làimh dheis, agus Morair Deòrsa Moraidh air an làimh chlì. (Ri leantuinn.) Far an caill duine ’sporan ’s ann a’s còir dha ’iarraidh. Far an laidh na fir, ’s ann a dh’ éireas iad. Far an sàmhaiche ’n t-uisge, ’s ann a’s doimhne e. Far an taine ’n amhuinn, ’s ann a’s mò a fuaim. Faram, ’s ma toiream, fasan Chlann-Domhnuill. Fauaididh a h-uile fear, ‘co a rinn e?’ ach cha’n fharraid iad, ‘cia fhad a bha iad ris?’ [TD 412] [Vol. 3. No. 52. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Editor “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IUN 29, 1895. Tha Morair Rosebery an deigh a dhreuchd mar Phriomh Mhinistear Bhreatuinn a leigeadh dheth. Bha choltas air gu’n deanadh e sin o chionn treis a dh’ ùine. Bha a phàirtidh tuilleadh us lag air son gnothuichean a chumail air adhart, agus ’s ann a sior dhol na bu laige bha iad. ’Nuair chaidh an cur a stigh, bha iad a’ cur rompa tuilleadh sa chòir a dheanamh, agus ’nuair nach b’ urrainn dhaibh an rùintean uile thoirt gu crich, chaill iad moran de ’n luchd-leanmhuinn. Cha’n eil ann an Rosebery ach duin’ òg, gun a bhi glé làidir ann am bodhaig, agus bha obair agus iomguin na dreuchd a tigh’n glé throm air, gu h-àraidh ’nuair nach robh cuisean a soirbheachadh leis. Tha Morair Salisbury, ceannard na pàirtidh eile, an deigh an dreuchd a ghabhail, agus cha’n eil teagamh nach e ’n ath rud a dhol dh’ ionnsuidh an luchd-taghaidh air son pàrlamaid ùr a thaghadh. A bharrachd air a bhi deanamh ar dichill ais naigheachdan na dùthcha a thoirt d’ ar càirdean gach seachdain, agus litrichean, sgeulachdan, agus sgriobhaidhean eile nach robh ann an clò riamh gus an deachaidh iad ’sa MHAC-TALLA fhéin, tha e mar chleachdadh againn a bhi o àm gu àm, a clo-bhualadh, eachdraidhean agus sgeulachdan a bha ann an clò o chionn fhada. Tha fhios againn gu bheil a chuid a’s mò dhiubh ùr gu leòr do’n mhor-chuid d’ ar luchd-leughaidh, ged a tha cuid ann ma dh’ fhaoite a leugh iad roimhe. A measg sgriobhaidhean eile dhe’n t-seòrsa sin, tha àireamh mhath de sgriobhaidhean an Dotair Tormaid Mac Leoid, no mar theirte ris “Tormaid a Chuairteir.” B’ esan aon sgriobhadair Gàilig cho math ’sa chunnaic a Ghàidhealtachd riamh, agus bhiodh e ’na chall mor mur biodh na sgriobhaidhean a dh’ fhàg e mar dhileab aig na Gàidheil air an clo-bhualadh ’s air an craobh-sgaoileadh na measg. Tha a sgriobhaidhean uile air an cur a mach ann an aon leabhar, ach tha e glé dhaor, agus cha’n eil ach fior bheagan dhiubh anns an dùthaich so. As an leabhar sin tha sinn a toirt na h-eachdraidh mu “Bhliadhna Thearlaich,” a gheobhar anns an aireamh so air a leantuinn o àireanh na seachdain s’a chaidh. Thig a chuid eile dhith mach anns na h-àireamhan ri tighinn, agus cha’n eil teagamh againn nach toir a bhi ’ga leughadh mor thoileachadh d’ar luchd-leughaidh, a bharrachd air tuilleadh fiosrachadh a thoirt dhaibh air na cruaidh-chàsan troimh ’n deachaidh na Gàidheil a feuchainn ri Prionnsa Tearlach a chur air righ-chathair a shinnsir. Tha eagal orinn gu bheil muinntir na Gàidhealtachd a’ dol a chall gu dona air stiùir na rioghachd a dhol á làmhan Rosebery agus a phàirtidh. Bha ’n achd air an d’ thug sinn iomradh roimhe, air son tuilleadh ceartais a thoirt do na croitearan, mu letheach troimh ’n phàrlamaid ’nuair a thug Rosebery suas, agus a nise, cha toirear guth oirre tuilleadh. Tha pàirtidh nan uachdaran ann an dreuchd, agus tha e glé choltach gu’m bi iad ann treis mhath, agus fhad ’sa bhitheas, cha bhi dùil aig na croitearan ri dad ach na th’ aca mar tha. Cha’n eil bàigh againn fhéin ri taobh seach taobh anns a phàrlamaid Bhreatunnaich; cha’n eil sinn a meas gu bheil aon phàirtidh fad air thoiseach no air dheireadh air an aon eile, ach b’e ar dùrachd gu’m biodh Rosebery air ’fhàgail ann an dreuchd gus am faigheadh na Croitearan Gàidhealach tuilleadh ceartais. An duine tha ’n dùil gu ’n dean e ’n gnothuch as aonais an t-saoghail, tha e ’ga mhealladh fhéin; ach an duine tha ’n dùil nach dean an saoghal an gnothuch as aonais-san, cha’n eil ann ach an t-amadan. SGEUL EACHUINN. Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e RHODES & GANNON a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe. SIOSAL & CROWE. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI,—C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Leabhraichean Gailig. RI ’N REIC AM BADDECK. Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna. [TD 413] [Vol. 3. No. 52. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha ’n t-each-iaruinn an drasda fàgail a’ bhaile aig aon-uair-deug ’sa mhaduinn, agus a’ tilleadh aig fichead mionaid gu deich feasgar. Tha sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglais St. Andrew’s am màireach. Tha ’n t-Urr. Mr. Calder, á Mira gu bhi cuideachadh an Urr. Mr. Forbes. Bha na seirbheisean àbhaisteach aca ré na seachdain. Tha ’n Comanachadh ri bhi ann an Leitche ’s Creek air an dàrna Sàbaid dhe’n ath mhios. Tha fear Eobhan Brown (no Mac-Gille-Bhruthainn) a fuireach ann am Mira a tha ceithir fichead bliadhna ’sa sia deug a dh’ aois. Rugadh e ann an Ile ’sa bhliadhna 1799. Tha e gu làidir tapaidh, agus làn chomasach air a chuid fhéin de ’n obair a dheanamh fhathast. Air an t-seachdain s’a chaidh, thug e treis air treobhadh, agus cha do chuir e umhail sam bith air. A réir gach coltais tha àireamh bhliadhnaichean roimhe fhathast. Tha ar caraide Iain Rothach a cur fios ugainn mu bhàs duine mhuinntir Cheap Breatunn ann am baile mor Auckland. ’S e b’ ainm dha Domhnull Mac Gilleain. Rugadh e anns a’ Ghleann Mhor, an St. Ann’s, agus chaidh gu New Zealand, cuide ri dithis bhràithrean dha agus peathraichean, air an luing Ellen Lewis. B’e ainm a bràithrean Iain agus Aonghas. Chaochail e air a chòigeamh latha deug dhe’n Mhàigh, an deigh dha bhi tinn ùine mhór. Bha e tri fichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois. Chaidh dithis dhaoine, Hendershott agus Welter, a chrochadh ann an St. Thomas, Ontario, an la roimhe. B’ e ’chiont air son ’n do chuireadh gu bàs iad, murt gràineil a rinn iad o chionn shia miosan. Mharbh iad duin’ òg, mac bràthar do Hendershott, air son airgiod-urrais a bh’ air a bheatha fhaotainn. Cha robh Hendershott a làthair idir ’nuair a rinneadh am murt, ach ’s e rinn suas gu’n deante e an toiseach. An deigh am faotainn ciontach, rinneadh a h-uile dichioll air am beatha leigeadh leotha, ach cha ’n éisdeadh an luchd-riaghlaidh ri sin idir. Latha no dha roimh ’n chrochadh, dh’ aidich iad an cionta. Bha teine mór anns a’ choille air Rathad-a’-Chléirich, eadar Louisburg agus Mainadieu, air an t-seachdain s’a chaidh. Ruith e air fad ceithir no coig a mhiltean de choille, agus loisgeadh tri no ceithir de shaibhlean, agus tigh-còmhnuidh le fear Domhnull Johnstone. Cha d’ fhuaireadh ach gle bheag dhe na bha nam broinn a shàbhaladh. Leis an tiormachd mhor a th’ ann an drasda, tha choille gle ealamh gu gabhail, agus bu chòir a bhi glé fhaiciollach mu chur a mach teine. Tha iad a deanamh gun do thòisich an teine so á sradaig a dh’ fhalbh o’n charbad iaruinn a dol a mach gu Louisburg. Bha moran de thaighean eile air an losgadh mur biodh gu robh iad air an cumail gun teine ghabhail le uisge ’s le aodaichean boga. Minard’s Honey Balsam, math gach nair. Bha sinn an dùil gu robh na mathain air teirgsinn ann an Ceap Breatunn, ach tha e coltach nach eil. ’S fhada bho nach robh an béistean cho pailt anns a a cheann so dhe’n eilean ’sa tha iad air an t-samhradh so. Chaidh mathan mòr a mharbhadh aig Amhuinn Sheòrais air an t-seachdain s’a chaidh, an deigh dha sgrios mor a dheanamh air feadh nan caorach, agus chaidh fear eile mharbhadh aig Allt-nan-Innseanach, ann an St. Ann’s. A bharrachd orra so, bha feadhainn eile air am faicinn ’s air am faireachadh ann an caochladh àiteachan. Tha ’n t-àm aig daoine feuchainn ri cur as dha na béistean gu buileach, no ni iad call mor air feadh na dùthcha. Thainig bàs glé aithghearr agus gle mhuladach air an Urr. Uilleam Wetmore, ministear Baisteach Mhargaree, ann am Mabou o chionn cho-la-deug. Bha aige ri searmonachadh ann am Mabou air an t-Sàbaid, agus thainig e ann air Di-sathairne. Ghabh e shuipeir mar a b’ àbhaist, agus an deigh sin chaidh e sgriob a mach. Chunnacas e mu dheireadh na shuidhe aig a gheata mu ochd uairean. Mu naodh uairean bha dithis bhan a dol seachad, agus chunnaic iad na shineadh e. Thug iad fios do mhuinntir an taighe, agus ’nuair a thainig iad bha e marbh. Rinn an dotair a mach gu’m b’e tinneas a chridhe thug a bhàs. Cha robh ann ach duin’ òg mu dha fhichead bliadhna ’sa còig a dh’aois. Dh’fhag e bean agus aon duine cloinne. Tha e ro-choltach gu bheil an Dotair Buchanan ri bhi air a chur gu bàs an deigh a h-uile rud. Tha na fir-lagha ’n deigh a theigsinn; cha’n urrainn daibh an còrr a dheanamh air a shon, agus tha e fhéin a’ gabhail an eagail. ’S iongatach cho mall ’sa tha ceartas a’ gluasad anns na Stàitean. ’N am b’ ann an Canada no ’m Breatuinn a bhiodh am murtair ud air fheuchainn ’s air a dhiteadh, bhiodh e air a chur gu bàs o chionn fhada. Ach anns an dùthaich ud, cha’n ainneamh idir le neart a dhol thar ceart. Bha tuathanach anns an t-seann dùthaich uair an àm na buana, agus bha eagal a chridhe air gu’n tigeadh an t-uisge mu’m faigheadh e ’chuid arbhair dh’ an t-sobhal. Dh’ oibrich e cho trang ’sa b’ urrainn a chorp, agus thug e air gach aon de sheirbhiseich oibreachadh a cheart cho cruaidh. Mu dheireadh thall fhuair e cuibhteas a bhuain; fhuair e ’n lòd mu dheireadh a chur a stigh. Bha chuid mhor de ’choimhearsnaich moran na bu deireannaiche na e, ach ged a bha bu choma leis. An deigh dh’ an obair a bhi air a deanamh, sheas e an dorus an t-sobhail car tacain ag amharc air na speuran. “Ma ta,” ars esan, “tha fior choltas an uisge air na neòil dhubha tha ’n sid, agus gu cinnteach ’s mor a b’ fheaird an talamh tioram deàrrsach mhath nisge!” Marbhaidh Cherokee Vermifuge biastan. Leabhraichean! Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Dhealbh, Papear Litrichean, Comhdach Litrichean, Sgliatan Pinn Inc, agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig E. G. MAC FHIONGHAIN, Oifig a MHAC-TALLA. Sidni, C B. Acadia House. Airneis dhe gach seorsa, Aodaichean Deante. Brogan agus Botainnean. Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna. THA NA PRISEAN CEART. INGRAHAM & MacGILLEAIN. MOORE & JOHNSTON. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean. [TD 414] [Vol. 3. No. 52. p. 6] IAIN NA GAIDHLIG. Bha Iain Cuimeanach na dhuine gle araidh ach cha bhitheadh e soirbh a dhealbh, gu sonruichte ’san inntinn. Leigidh an sgeul a leanas ris cuid dhe’n stuth a bh’ ann. Bha Iain a fanachd aig aite ris an abair iad Lochan-an-eich-bhain, mu leith an rathaid eadar Agaidh-mhor agus Daoghal, ’s bhitheadh e air uairean a reic deur de dheoch laidir, no mar their iad ann an Eirinn, bha e cumail Sith-binn. Bha fear Bhail-an-dailach a dol seachad latha, air ceann na Fensibles, luchd dion na duthcha. Bha Iain am beachd gu’m bu choir dha bhi fialaidh ris a cheannard, ’s thug e cuireadh dha thighinn a stigh. “Cha teid mi, cha robh mi riamh na leithid a thaigh, ’s cha teid mi ann a nis.” “Nach tig?” ars Iain. “Cha teid,” ars a fear eile. “Mar tig, leigidh tu dha,” ars Iain, “agus cha’n ’eil annad ach au cu, direach an cu, ach an t-earball.” Bha da choimhearsnach oidhche ag ol an taigh Iain, ’s teine mor giuthais ac air an urlar, ’s gach ni gu caomh, blath mu’n cuairt doibh. Bha an t-uisge beatha laidir ’s bha na daoine cairdeil, muirneach. Dh’ol iad air Iain, ’s dh’ ol iad air a cheile, ’s dh’ol iad mu’n cuairt a rithist, gus an robh a h-uile fear dhiubh cho mor na bheachd fein ri tighearna Chluanaidh ’s cho laidir ri fear Chill maluthaig. ’Se bh’ann gu’n deachaidh na seoid thar a cheile, ’s am bad a cheile a thug iad. Cha robh de dheoch laidir aig Iain na dheanadh reite, no na sgaradh iad o cheile; ’s nuair bha an iomairt aig a h-airde, rug fear dhiubh air cathair ’s bhrist e i na criomagan air ceann an fhir eile, ’s fagar e call fola air an urlar. Chuir so stad air na buillean, oir ’s gann bhuaileas duine an darna uair, mar a faigh e buille air ais. Ach cha do chuir e stad air a chanran, no air a mhi-run. Chaidh an duine bruite thoirt dachaidh ’s a chur a laidhe; ’s chaidh fios gu baile na siorramachd gu’n robh duine air a mhilleadh. Chaidh a chuis a rannsachadh, ’s am fear eile a shumanadh. Dh’fheumadh Iain dol a dh’ Eilginn a thoirt fianuis an lathair an t-Shiorramh. Mu’n d’ thainig nithean gus a so, dh’ fhuaraich an fhuil aig na daoine, ’s b’fhearr leo na ni sam bith nach deachaidh smid a radh mu ’n ghnothach. Ach cha b’ urrain doibh a shocrachadh a nis. Dh’fheumadh iad dol do ’n chuirt, ’s cha robh ach an dreach a b’ fhearr a b’urrainn doibh a chur air an t-sabaid an sin. Gu cinnteach cha robh fianaiseach ann ach Iain agus ’s e bh’ann gu’n d’rinn iad suas gu’n leigeadh Iain air nach robh e glic. Nuair a thainig an latha, bha Iain air uigheamachadh air son na cuirt. Bha an darna ball aodaich a fanaid air a bhall eile; thug iad an aire nach deach rioba fiasaig a thoirt dheth; bha boineid mhor leithinn air agus bad mor dearg innte; agus bha cuaille bat’ aige chuireadh eagal air duine. Nuair a bha gach ni ullamh air a shon, chaidh maor a mach air toir Iain. Thainig e stigh, is mu’n robh e thar na starsnaich, thug e dheth a bhoineid mhor, ’s bhog e i le dha laimh, ’s chrom e cheann. Thug e ceum eile stigh, ’s chrom e rithist, ’s bhog a bhoineid—’s mar sin gus an robh e aig a’ chro anns an robh e gu fianuis a thoirt. “Take the oath, sir,” ars’ am fear lagha. “A Ghaidhlig, a Ghaidhlig,” ars’ Iain. “’S i Ghaidhlig is docha leam.” Chaidh Iain a chur air a mhionnan ann an Gaidhlig. “C’ainm a th’ ort?” “Tha Iain Cuiminn no Cuimeanach. U tha, cha d’ aicheadh mise m’ainm riamh.” “Tha thu fanachd air an rathad eadar Daoghal agus Agaidh-mhor, nach ’eil?” “U, cha’n ’eil, le’r cead, cha’n eil mi air druim direach an rathaid, cha leigeadh iad dhomh a bhi an sin, fhaic sibh, U, cha leigeadh, cha leigeadh. ’S bhithinn fo chasan dhaoine is bheathaichean air an rathad mhor.” Bha Siorramh ag amharc air Iain, ’s air a bhoineid leis a h-uile suil a bha na cheann, ach bha Iain a cur mu’n cuairt na boineide moire. “Tha thu fantail, ma ta, an Lochan-an-eich-bhain.” “Ma ta, le’r cead, cha’n eil mi fantail ’san loch. Nam bithinn a fantail ’san loch bhithinn fliuch, ’s cha fhreagradh sin do sheann duine. U, cha’n eil mi fantail ’san loch,” ’s chuir e mu’n cuairt a bhoineid, ’s chrom e cheann mar urram do’n t-Siorramh. “C’ainm ma ta, th’ air an taigh agad!” “Cha chuala mi riamh air ach an taigh. Direach ‘an taigh’; ’s ma thig sibse leamsa chi sibh e. U, direach an taigh.” “Take him away,” ars an Siorramh, “he’s a fool; we can make nothing of him.” Leigeadh Iain air falbh, mar so; ach bha’n Siorramh an teagamh gu’m foadadh gun robh Iain na bu ghlice na bha e leigeil air, ’s chuireadh maor a mach na dheigh. Thainig Iain a stigh a rithist, a cromadh a chinn mar a rinn e roimhe, ’se cumail na boineid eadar a dha lamh. A cheud cheisd a chuireadh ri Iain— “Am bheil thu posda?” “Tha le ’r cead. U, tha mi posda, tha, tha; ach cha’n eil mi cur mir do choire sin oirbhse. U, ’s mi nach eil.” “Out with him,” ars’ an Siorramh, “we can make nothing of such a fool as that.” ’S o nach robh fianaiseach eile ann air an t-sabaid, cha robh ach leigeil leis na seoid dol dachaidh, gu buidheachas a thoirt do dh’ Iain air son mar a thug e as a chruaidh-chas iad. ’S iomadh gaire bh’ aca comhla air a ghnothach; ach thug iad an aire nach do leig iad leis an dibh aig Iain an cur an eiginn a rithisd. Tha na h-Innsean an Iar, a réir coltais glé fhad air ais air a’ bhliadhna so. Tha ’m bàrr siucair air a dhol ’nan aghaidh gu buileach, cha’n eil car oibreach ’g a dheanamh, agus tha iadsan a bha deanamh am beòlaind air gun ni a chumas suas iad. Tha moran nan éiginn air son ni a dh’ itheas iad. Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor. DR. T. C. MAC LEOID. Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheil Moore & Johnston ri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.” Dr. G. T. MacGILLEAIN, Dotair Fhiacal, OIFIG: Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. D. A HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c., SIDNI, C. B. [TD 415] [Vol. 3. No. 52. p. 7] Bha latha mor aca ann an Antigonsh an la roimhe, a’ cumail co-ainm an la air an d’fhuair an t-Easbuig Camaran dreuchd na h-easbuigeachd coig bliadhna fichead air ais. Bha sluagh mor cruinn anns an eaglais, agus bha còrr us tri fichead sagart a làthair. Chaidh da ghibht luachmhor a thoirt dha mar theisteas air a mheas a th’aig sluagh nan sgìreachdan a tha fo chùram, dha, aon dhiubh, sporan anns an robh seachd ceud deug dolair, agus aon eile, sporan anns an robh da mhile dolair. Tha ’n t-easbuig direach air tilleadh bhar cuairt a thug a dh’ an Roimh. Leighis mi cloimh air each le MINARD’S LINIMENT. Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS. Leighis mi droch reubadh air each le MINARD’S LINNEIMT. St. Peters, EDWARD LINLIFF. Leighis mi droch at air each le Minard’s Liniment. Bathurst, N. B. T. W. PAYNE. S. J. BROOKMAN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa. Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh. S. J. Brookman, Mai 17, 1895. ’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu IAIN MAC-LEOID & CO. Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig. Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wetworth, chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. Tha so air a chumail do C. B TRAVIS, SIDNI, C. B. Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B. Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd ADAN! BONAIDEAN! THA Mairi A. Nic Fhionghain air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na “County Hall” agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh AD NO BONAID, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN NO GEUGAN no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus FAIC DHUIT FEIN Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia, Quebec agus Newfoundland. SIDNI,—C. B CLOIMH. DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre. D. F. Mac RATH. Baddeck, C. B. Mai 6, ’95 [TD 416] [Vol. 3. No. 52. p. 8] CRONAN ALTRUIM. LE MAIREARAD GHOBHA. LUINNEAG. Fa-ill ile na ho ru, A-ill o na hi ri u, Fa-ill ile na ho ru, Gur tu mo run mo leanabh beag. Baidh, baidh bà, baidh bà mo ghradh, Baidh, baidh bà, baidh bà mo ghradh, Meigeag bheag a chinnein bhain, Gur a h-i annsachd mamaidh i. Chaidh na caoraich oirnn o stàth, Chan fheil bainn’ aca no àl; Ciod an comas th’ air, a ghraidh, Gun danig call an earraich oirnn? Tha na h-eich air dol bho fheum, Am birichean ’s e crom ’nan deidh; Ach ma dh’ fhalbhas iad gu leir, ’S ann their mi fein gur breamas e. Chan ann an saibhreas an t-saogh’l, Tha sonas buan a chinne-daoin’; ’S mairg a bheireadh moran gaoil Do nithean faoine faileasach. Ged a charnamaid suas stor ’Chumadh saibhir sinn ri ’r beo, Nuair a chairear sinn fo ’n fhoid, Cha mhor a theid ’san talamh leinn. Ged robh ni is maoin aig neach, ’S tric an smaoin so ann am bheachd, Mur a stiuir e chuis gu ceart, Gur fearr an neach tha aimbeartach. Ach ma bhitheas t’ athair beo, Gleidhidh e dhuinn crodh air lon, Caoraich agus uain mu’n chro, Is bheir a bhòtach searrach dhuinn. ON THA MI FO MHULAD AIR M’ AINEOL. LE MR. TEARLACH STIUBHART. LUINNEAG. Hi ri ri ’s ho ra ill o, Ra il o ho, ra ill o, Hi ri ri ’s ho ra il o, Mo nighean donn a’s boidhche. On tha mi fo mhulad air m’ aineol, Ann an tir ’s nach faic mi carid, Ruigidh mi nise mo leannan Dh’ fheuch am faigh mi còir oirr’. Bha mi og am measg nan Gall, ’S thug mi greis air feadh nam beann. ’S ge lionar te o’n d’ fhuair mi cainnt ’S ann ’tha mi ’n geall air Moraig. Na h-orain mhilis ’thig o d’ bheul ’S annsa leam na ceol nan teud; ’S binne na smeorach air geig Na fuinn ’thig reidh o Mhoraig. ’Nuair chuirt’ an fhiodhall air ghleus Dhannsadh tu gu h-eutrom, reidh; Bu dluth mo bheachd air gach ceum, ’S mo chridhe ’leum ri Moraig. Nuair liont’ an deoch a bhiodh blàth, Mu fheasgar ’sna cupain bhàn, Ged dhuisgteadh sgainneal le càch Cha chluinnteadh cànran Moraig. Do chomhradh cha tog cuis nair Do neach sam bith nach bi ’n lath’r; Is ma bhios a chliu ga sharach’ ’S carid blath dha Morag. ’S cliuiteach, siobhalta, do bheus, Aigneadh ciuin ’s e socir, reidh; Gur seirceil, suairce, soitheamh, gleusd’, Gnuis na feile Morag. ’S lionmhor do ghibhtean o nadar, Dh’fhas thu modhail, gniomhach, nàrach; ’S chan fhaca mi ’n dreach no ’n ailleachd Na bheir barr air Moraig. B’ annsa leam na or na Spàine Do ghnuis fhaicinn le fiamh gaire; ’S e sud a dh’ fhag bruite m’ àirnean, Meud mo ghraidh air Moraig. Ge taitneach bhi caitheamh feisde Mar-ri cuideachd chridheil, eibhinn, B’ fhearr leam triall do choill nan geug Mar-ri m’ fheidail, Morag. Ge taitneach bhi ’g amh’rc na greine ’M maduinn dhruchd gu ciùin ag eirigh, B’ annsa leam aiteal de dh-eudann Laoigh mo cheille, Morag. Cha n-ionghnadh leam thu bhi uaibhreach ’S iomadh snithan mear mu d’ ghuaillibh; Ach ’s moid mo dhuil-sa ri fuasgladh ’Thaobh na h-uaisl’ ’tha ’d phorabh. Nan glacadh tu ’nis mo amh. Gun leiginn mulad mo lar; Sheinninn oran ’s dheaninn dan, ’S mo lamh gun duginn pog dhuit. TAIGH-DIGE NAN FEAR EACHANNACH. LE ALASDAIR BUIDHE MAC IAMHAIR. ’S uaigneach an nochd ’tha geatachan Taigh-dige nam fear Eachannach; Tha caochladh mor ri ’fhaicinn ann; Tha teaghlach nam fear gaisgeanta Air a ghlasadh ’s e gun cheol. Tha ’n teaghlach, mheadhrach, mhanranach, ’Bha sugach, muirneil, ailgheasach, Fo ghruaim, gun fhuaim, gun ghaireachdaich, Gun ol, gun cheol ’ga bhairigeadh Mar a b’abhaist do na seoid. Chunnacas uair ’s gun b’ fhoirmeil sibh Le cuirt, ’s bha cliu feadh Alb’ oirbh; Fir aotrom ’shiubhal gharbhlaichean, ’S iad sunndach, luthar, anmanta, Neo-chearbach ann san toir. ’S bha ceannard fialaidh, fiughantach, ’Bha miadhail, rianail curamach, Ceann-uidhe chliar is dhiulanach, ’San teaghlach mheadhrach, mhuirneil ud, ’Tha’n nochd gun smuid, gun cheo. ’Nuair dh’eireadh strith no streup oirbh, Bu lionmhor laoch a dh’ eireadh leibh, Fir mhaoidheach, fhuilteach, geur-lannach, ’S iad strac-bhuilleach, sar-bheumanta, Nach geilleadh ìs iad beo. (Ri leantuinn.) I. O. G. T. Tha coinneamh aig “Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T.,” ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. MacDonald Hanrahan & Co., Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co, Mai 4. ’95;