[TD 1] [Vol. 1. No. 1. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAI 28, 1892. No. 1 E. T. MOSELEY, Q. C., Comharlaiche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. Deorsa Taileir ’Sna Teachdairean. Nuair a bha Seumas I na righ air Sassuinn ’s air alba, thainig tri teachdairean ionnsaichte a duthaich chein a dh-fhaicinn ciamar a bha Breatuinn a thaobh sgoiltean agus cholaistean. An deigh dhaibh gach fiosrachadh a bha dhith orr’ fhaotainn chaidh iad a shealltainn an righ, a ghabh riu gu sui ibhir, ’s aig an robh comhradh mor riu. Anns an t-seanachas a bh’aca thuirt na teachdairean gu robh iad a meas Oilthighean Bhreatuinn os ceann tighean-foghlum an t-saoghail uile, ’s gu’n deanadh rioghachdan eile gu math na’n leanadh iad a doigh. Cha d’fhuair iad coire ach do aon ni, ’s be sin nach robh Oilear Chomharaidhean (Professor of Signs) anns na h-Oilthighean. Na’m biodh sin ann bha gach ni ceart. Cha robh an righ deonach gu’m faighte dad cearr ’na rioghachd, agus thuirt e ris na teachairean gu robh a leithid sin do chathair ann an Oilthigh Aboraidhean, am baile b’fhaide air falbh anns a rioghachd. Chuir so ioghnadh mor orra agus thuirt iad gu feumadh iad an t-Oilear fhaicinn mu’m pilleadh iad dhachaidh. Cha robh fhios aig an righ de ’dheanadh e, ach ghabh e leth-sgeul gu’m b’e so toiseach an t-samhraidh, ’s nach biodh an t-Oilthigh cruinn gu treis a gheamhradh, agus nach biodh na h-Oilearan aig an tigh gu sin. Fhreagair iadsan gu’m bu mhath a b’fhiach dhaibh feitheamh fad shia miasan, airson ni cho iongatach so fhaicinn. Chunnaic an righ nach robh dol as dha, ’s air dha bhi cinnteach nach robh ’leithid de chathair anns a rioghachd, sgriobh e, le laimh fhein, litir gu Oilearan an Oilthigh, ag innse mar a bha, ’sa guidh ’orra ’n dichioll a dheanamh air duine fhaotainn airson na caithreach. Air do na h-uaislean sin a chuis a reusanachadh eatorra fein dh’aontaich iad an onair a thairgse do Dheorsa Taileir, greusaiche Abaraidhean, duine nach d’rinn iomrall riamh ann an cas air bith, sa bha air aon sul. Thurirt iad ris gu’m faigheadh iad gun ’us bannan Oilear dha ’s gu robh e ri suidhe sa chathair, gun e radh facal airson na chunnaic e riamh, ach gu’m faodadh e comhara sam bith a dheanamh a freagairt an comharaidhean-san. Ghabh Deorsa ris na cumhachan so gu toilichte. Thainig toiseach a gheamhraidh, ’s thainig na teachdairean gu Abaraidhean. Air an latha shuidhichte chaidh an toirt a stigh do thalla ’n Oilthigh. Bha Deorsa Taileir, le ghun ’s le bhannan, ’s le leth-shuil na shuidhe, sa chathair. Chrom na teachdairean an cinn gu modhail ri Oilear nan Comharaidhean. Chrom an t-Oilear a cheann riusan. Shin a cheud teachdaire a mach aon mheur ris an Oilear. Shin an t-Oilear a mach da mheur, ris an teachdaire. Shin an darra teachdaire tri meoirean a mach ris an Oilear. Chrath an t-Oilear a dhorn ris na teachdairean. Thug an treas teachdaire Orange as a phocaid ga cumail suas fa chomhair an Oilear. Thug an t-Oilear pios de dh’aran coirc’ as a phocaid ’s chum se e fa chomair nan teachdairean. Chrom na teachdairean an cinn gu modhail a rithist, agus chaidh iad a mach. Lean na h-Oilearean eile iad dh’feuch de bharail a ghabh iad air Oilear nan Comharaidhean. Thuirt iad gu robh iad air an deagh phaigheadh air son feitheamh fad leth-bhliadhna ris na chunnaic iad an diugh. Ars a cheud fhear, “Thog mise aon mheur, a ciallachadh nach eil ann ach aon Dia. Shin esan da mheur a ciallachadh gu robh da phearsa ann, an t-Athair ’s a Mac.” Thuirt an darra teachdaire,—“Thog mise tri meoirean a ciallachadh gu robh tri pears’ ann—an t-Athair, a Mac agus an Spiorad Naomh. Dhuin an t-Oilear a dhorn, a ciallachadh gu robh na tri pearsa sin nan aon.” Thuirt an treas teachdaire, “Thug mise mach orange, a nochdadh matheas Dhe ann a bhi toirt dhuinn measan cho briagha ’s cho fallainn. Thug esan a mach pios de dh’ aran coirce, a shealltuinn gu’m b’e aran os cionn gach ni, taice na beatha.” Thriall na teachdairean coire air an turus dhachaidh, ag aideachadh gu’m faca iad an latha sin ioghnadh an t-saoghail! Bha na h-Oilearan a nis ro-thoileach air barail Dheorsa fhaotainn air a chuis. Nuair a chaidh iad a stigh, dh’fheoraich e gu feargach gu de na daoine thug iad g’a ionnsaidh mar sid. “Bha fhios aca gle mhath gu robh mi air leth shul, ’s cha’n fhoghnadh leis a cheud thoirmeasg ach a mheur a shineadh rium, ag innse dhomh nach robh agam ach aon sul! Shin mise mach mo dha mheur a dh’innse dha-san gu robh m’ aon shulsa cho math ris an da shul aige-san. Shin an darra fear a mach tri meoirean a dh’innse dhomh nach robh againn ach tri suilean eadarainn. Dhuinn mise mo dhorn a dh’innse dha gu spadainn e. Mar nach biodh sin gu leoi, thug an treas fear orange as a phocaid a shealltuinn nan nithean matha bha fas ’nan duthaich-san, a tha fad air thoiseach air duthaich bhochd againne. Thug nise mach pios de dh’aran coirce a shealltuinn dha gu robh sid moran ni b’fhean na gach orange ’us meas eile dh’fhas rimh ’nan duthaich-san.” [TD 2] [Vol. 1. No. 1. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. O CHIONN mios no dha chuir sinn litir bheag anns an REPORTER, ag innse gu robh sinn a dol a thoirt oidhirp air paipeir Gealig a chuir air chois anns a bhaile so. Thuirt sinn aig an am gu robh coig ceud subscrieber a dhith oirnn mu’n tigeadh a cheud aireamh a mach. Cha d’fhuir sinn an coig ceud fhathast ged nach eil sin na aireamh mhor. Ach fhuair sinn iomadh litir bho mhuinntir a toirt misneach dhuinn, ’sa guidhe gu math dhuinn air son a bhi feuchainn ri seana chainnt nan Gael a chumail suas, a chainnt a labhair Fionn ’sa sheinn Oisean, ’sa chleachd iomadh laoch ’us bard eile uaith sin. Fhuair sinn moran litrichean dhe’n t-seorsa sin, ’s tha sinn fada ’nan comain-san a sgriobh iad. Chaidh cuid gu dragh mor ag iarraidh subscribers dhuinn, agus gheall cuid eile ar cuideachadh le bhi sgriobhadh airson a phaipeir. An deigh gach misneach a fhuair sinn, bha leisg oirnn a dhol air ais ged nach d’fhuair sinn an aireamh a bha uainn. Chuir sinn romhainn toiseachadh, agus se so a cheud aireamh dhe’n phaipeir Ghaelig. Thug sinn MAC-TALLA mar ainm air. Cha’n eil e ach gle bheag, ach tha e cho mor ’sa dh’fhaodas e bhi aig an am so. Tha’n sean-fhacal ag radh gur h-ann as a bheagan a thig am moran. Nis a chairdean, rinn sinne ’n uiread so, deanadh sibhse ’n coir. Ma tha MAC-TALLA ri chumail suas ’sann agaibhse tha ri dheanamh. Cha bhi paipeir sam bith suas as aonais luchd-leughaidh. Se cheud ni ma ta daoin’ fhaighinn a leughas e agus a bhios deonach paigheadh air a shon, agus sin gun dail. Tha fhios againn gu bheil na eiadan dhiubh sin ri’m faighinn, nan rachte gan iarraidh. Nach teid gach duine leughas so a dh’ obair am measg a nabaidhean air son MHIC-TALLA? Cuireadh gach neach a leughas so, ’ainm agus a leth-dolair ’gar n’ionnsaidh agus faigheadh e dithis no triuir eile gus an ni ceudna dheanamh. Deanadh gach neach a dhichioll. Ma ni sibh sin, a chairdean, soirbhichidh le MAC-TALLA, bidh a Ghaelig a togail a cinn, ’s cha bhi dhanadas aig duine bhi ga ruith sios. Tha moran dhaoin’ anns an duthaich so, nuair a gheibh iad paipeir ur mar so, a sgaoileas a mach e air uachdar Family Herald no paipeir mor dhe’n t-seorsa sin, ’s ma bhios e uiread ris a phaipeir sin, their iad gur fhiach e dolair, ma tha e ’leth uiread ris ’s fhiach e leth-dolair, ma tha e ’n ceathramh cuid uiread ris, ’s fhiach e cairteal, agus mar sin sios. Tha sinn an deagh dhochas nach tachair aon dhiubh sin air MAC-TALLA. Thugaibh fanear nach eil sinn deonach dail a thoirt seachad idir ann am paigheadh a phaipeir so. Tha fhios againn nach bi ar luchd leughaidh ga iarraidh. Tha leth-dolair na ni cho beag ’s nach b’fhiach le duine sam bith a bhi ga thilgeil air. Uime sin, a charaid, nuair a chuireas to t-ainn thugainn cuir an leth-dolair air adhart maile ris. Sid ’us So. Tha bean ann an Oregon ag obair air gearradh chlach o chionn fichead bhliadhna. Cha’n eil soitheach an luingeas chogaidh Bhreatuinn gun chomunn stuamachd air bord. Tha cuid-eigin ag radh nach biodh na h-uirid de dh’ amadain san t-saoghal, mur biodh gach neach a creidsinn gur h-e fein Solamh. Tha comunn ann a Chicago ris an canair “Comunn Mhanesseh” Cha n fhaod duine bhi dhe’n chomunn so ach daoine dubha aig am bheil mnathan geala. “Thig an t-am,” ars an tuathanach ri ’sgalaig, “anns an teid agam air leathsachadh a bharra a ghiulain ’nam phocaid.” “Agus nuair a thig an t-am sin” ars Alasdair, “faodaidh sibh am barr a ghiulain nur pocaid cuideachd.” Chaidh dealbh a reic anns a Fhraing, o chionn ghoirid, airson 6000 Franc, no suas ri $1000. Cha robh an dealbh ach sia oirlich air fad, ’us ceithir air leud; agus bha cuid a meas gu’n d’fhuair am fear a cheannaich i deagh bhargan. Nuair a leughas tu am paipeir so, fench gu’n cuir thu ga iarraidh leis a cheud phosta. Nach suarach leth-dolair ’nad phocaid an coimeas ri paipeir Gaelig a bhi tighinn ’g’ad ionsnsaidh uair ’san t-seachdainn, bho thoiseach gu deireadh na bliadhna. Aig tiodhlacadh droch uachdarain anns a Ghaeltachd, ’nuair a bha iad a cur na h-urach air, thuirt fear dhe na croitearan a bha lathair:— “Cuiribh air! cuiribh air! ’Se chuireadh oirnne; ’S ma dh’eireas e rithist, Cuiridh e an coir oirnn!” D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, Sidni, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stuam eile laimh an comhnuidh, Biadh air a dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu’ ruig thu an ACADIA HOUSE, far am faigh thu deagh bhargan LEINEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP. ANART & CAILEAGU (air gach pris). FLUR AGUS MIN. [TD 3] [Vol. 1. No. 1. p. 3] Naidheachdan na Seachdainn. Thainig side bhrigha aon uair eile. Tha tuathanaich Mhanitoba ullamh currachd. Tha long-chogaidh Bhreatunnach ann an acarsaid Shidni. Tha gual a reic airson $5 an tunna ann a Lunnainn, Ontario. Chaidh Jack the Ripper a chrochadh ann a Melbourne, Australia, air an 23 mh la. Air an earrach a chaidh, rinneadh 1,750,000 punnd de shiucar-chrobh ann a Vermont. Tha meinean-guail Cheap Breatuinn ag obair gu bras. Chuir aon mhein a mach 500 tunna gach latha o’n thoisich i. Bha stoirm shneachd ann an Iowa air an 20 mh la. Tha so an deigh nan tuiltean a milleadh a bharra gu tur. Chaochail Sir Alasdair Caimbeul ann an Toronto air a 24mh la. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. Rug iasgairean Newfoundland air 348,642 ron ann bliadhna. ’S fhiach gach aon dhiubh sin $2.50, Rug aon soitheach air fiach $145,000. Bha’n samhradh gle fhuar cho fada so. Cha shaoileadh neach sam bith air an t-side gu bheil teann air mios dhe’n t-samhradh seachad. Chaidh caraid iongatach a phosadh an Ontario o chionn ghoirid. Bha bean na bainnse 30 bliadhna a dh’aois, ’s cha robh esan, am balach bochd, ach 80 bliadhna. Aig Cleves, Ohio, bhuail da thrain na cheile, ’s rinneadh mirean diubh. Cha robh duin air bord a fhuair as gun ghoirteachadh ’s chaidh cuid a mharbhadh. Bha stoirm ghabhaidh o chionn ghoirid ann a Mauritius, eillean a near air Africa. A bharrachd air call mor a dheanamh air muir ’s air tir, chaidh suas ri 1200 a mharbhadh. Tha na luchainn a deanamh call mor ann an Alba. Tha iad cho pailt ’s nach gabh cuir as daibh. Cha’n fhag iad bileag feoir ann an ait air an ruith iad, ’s tha na caoraich a basachadh le cion bidh. Chaidh seann duine, Tearlach Haney, a mharbhadh leis an train aig Lancaster Ont. Bha e air an rathad agus air dha bhi falbh air bataichean cha b’ urrainn dha dol as an rathad. Bha e 87 bliadhna a dh’aois. Rainig 600 Gearmailteach Winnipeg air an t-seachdainn a chaidh. Tha iad dol a thogail fearainn nis fhaide ’n iar. Na’m b’urrainn do Chanada a cuid, sluaigh fein a chumail aig an tigh, cha b’fhada gus am biodh gu leor aice. Tha moran call air a dheanamh anns na Staitean le tuiltean. Tha’n amhainn mhor Mississippi, nis airde na bha i o chionn moran bhliadhnachan. Tha taighean air an sguabadh air falbh, agus moran theaghlaichean air am fagail gun dachaidh. Tha ’n tuil a deanamh milleadh mor air a chruithneachd. Tha a air a radh gu robh ’n caise chuireadh a Canada gu Breatuinn an uiridh na b’ fhearr na chaidh a null riamh roimhe. Ged bha caise nam bliadhnachan roimhe math gu leor bha cuid na bliadhana ’n uiridh ro mhath agus fad air thoiseach air caise nan Staitean. Nuair bha Ban-righ Victoria air tir-mor na h-Eorpa, cha d’rinn a h-ogha, Iompaire na Gearmailt, uiread ’sa dhol ga coimhead ged a bha sin furasda gu leor dha. Cha’n eil ann ach duine neonach co-dhiu, ’s tha e curir moran iomgain air muinntir a dhuthcha. Tha bill air beulaobh Parlamaid Chanada, an drasd a deanamh mi-laghail do neach gun votadh aig am-taghaidh. Tha e ro-choltach gun tig am bill so gu bhi na lagh, ’s ma thig, cha’n eil teagamh nach fheaird an duthaich e. Ann am Breatuinn, an deigh so, cha’n fhaod duine votadh mur teid aig air leughadh agus sgriobhadh. Tha Parlamaid Bhreatuinn ri sgaoileadh air an fhicheadaimh la dhe’n ath mhios. Tha’n da phairtidh aig obair cheana dh’fheuch co gheibh greim air a stiuir. Ma gheibh Gladstone i, bidh Fein-Riaghladh air a thabhairt do Eirinn. Ma ’se Salisbury a bhios a stigh, feumaidh na h-Eirionnaich a bhi toilichte leis na gheibh iad. Chaidh latha-breith na Ban-righ a chumail mar as abhaist air feadh an t-saoghail uile. Ann an Sidni bha na saighdearan a mach, agus aig meadhon-latha loisg iad gunna ar fhichead. Cha’n eil sin ach beag an coimeas ris a ghreadhnachas a bhios aca ’naiteachan eile. Cha’n eil ioghnadh ged a bhiodh iochdrain Victoria a cumail latha ’breith, agus a guidhe gum bi aca ri chumail iomadh uair fhathast. Tha i riaghladh os ceann na rioghachd as mo sis iongataich’ a chunnaic an saoghal riamh, rioghachd air nach eil a a ghrian a dol fodha o cheann gu ceann dhen bhliadhna, rioghachd a tha fas mor gach latha, ’s co aige tha fhios nach bidh an saoghal gu leir fo chis di mu’n tig crioch air a fas. Tha Ban-righ Victoria a nis tri fichead bliadhna ’sa tri-deug a dh’aois, ’s tha i air a chathair-rioghail leth-cheud bliadhna sa coig. Cha do shuidh righ no ban-righ riamh an cathair a’s airidh air meas agus air gradh a sluiagh. Tha an aimhreit eadar Canada ’us Newfoundland faisg air a bhi seached, ’s tha iad gu bhi cho cairdeil ’s cho cordte ’s bu choltach dhaibh a bhi. O chionn bliadhna no dha rinn Newfoundland cordadh ris na Staitean, a thaobh malairt. Cha do thaitinn so ri Canada ’s ghearain i ri Breatuinn. Chuir Breatuinn stad air a chordadh, ’s las so fearg Newfoundland an aghaidh Chanada agus bha i feuchainn cho math ’sa b’urrainn di ri dioghaltas a dheanamh oirre. Cha’n fhaodadh iasgairean Chanada biadh a cheannach am port sam bith air cladach Newfoundland ged a bha lan shaorsa aig iasgairean nan Staitean air sin a dheanamh. Fhuaradh fios o chionn latha no dha gu bheil Newfoundland dol a sguir dhe so, agus gu’m faigh iasgairean Chanada gach cothrom a b’abhaist a bhi aca. Cha’n eil teagamh nach bi so feumail taobh air thaobh, ’s tha sinn an dochas gu’n lean a chuis mar sin. Mur teid aig Canada ’s aig Newfoundland air a bhi sitheil ri cheile, tha cuisean fad air ais. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar BHO C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 4] [Vol. 1. No. 1. p. 4] “Scots Wha Hae.” ANN AN GAELIC. Albannaich a chail ur fuil Fo’n laoch Wallas’us fo Bhrus, Failt’ do shuain ur bais an duigh, No do bhuidhinn stri. Feuch an latha, so an uair, Faicaibh gnuis a bhlair fo ghruaim, Feachd righ Eideard teachd le uaill, ’S geimhlean cruaidhe dhuinn. Co bhiodh iudasach sa chath, Co’n uaigh gealtair a bhiodh taisgt’, Co a bhiodh na thraill fo smachd, Teich gu grad ’s na till. Co as leth tir aird an fhraoich, Thairneas claidheamh treun na saors’, Le’n fhearr bas na geill’ do h-aon, Thig do’n raon leam fhein. Le gach truaighe fuaight’ ri’ daors’, Le cuing thruaillidh cloinn ar gaoil, Doirteamid ar fuil na taom, Ach sar shaor bidh sinn. Sgriosaibh na fir-foirnidh dhan, Tuitidh aintighearna ’s gach namh, Anns gach beum tha saors’ an aigh, Buaidh no bas biodh leinn! Fhuair sinn an dan so anns a Chasket. Cha’n eil fhios againn co thug gu Gaelic e, ach se ar barail gun d’thug e ionnsaidh mhath air. Thug an t-Urr. A. MacIllean Sinclair an dan so gu Gaelic ach cha d’fhuair sinn greim an fhathast. Bhitheamaid an comain neach sam bith a chuireadh g’ar n’ionnsaidh e. Sean-fhacail. Cha dean aon smeorach samhradh. Cha dean an t-ol ach am fear a dh’fhaodas. Cha dean duine don’ ach a dhichioll. An ni nach fios do na mnathan, ceilidh iad. Am fasan a bh’aig Nial, bha e riamh ris. Am fear a gheibh ainm na moch-eirigh, faodaidh e laidhe anmoch. Am fear a ghoideadh an t-ubh-circe ghoideadh e’n t-ubh-geoidh. Triughas air na luirgne loma, Bonnaid air na maolanaich, Feileadh air na daoine tapaidh, Casag air na slaodairean. Arsa duin-uasal ri ’sgalaig dhuibh, ’se air tighinn a stigh a stoirm uisge,—“Tha mi cinnteach a Shamsoin, gu bheil thu ag urnaigh gu’n sguireadh an t-uisge so.” “O,” arsa Samson, “de’m feum a bhi ’g urnaigh gu sguir an t-uisge fhad ’sa tha ghaoth o’n airde near. Tha sinn eolach air duin’ aig am bheil seachd braithrean. Aig gach brathair dhiubh sin tha seachd peathraicehan ’saig gach piuthar tha ochd braithrean. Cia lion th’anns an teaghlach air fad? Faic! Gheibh thu MAC-TALLA agus an Reporter fad bliadhna air son $1.25 Cuir thugainn an t-ainm ’san t-airgiod. So cothrom nach faigh thu ah-uile latha. BATHAR UR! BATHAR UR! —AIG— Vooght Bros., SIDNI TUATH, C. B. Aodaichean, Adan, Fluraichean, Paipeir Rum, Cuirteinan, Brogan, &c., &c. 1,000 Baraile Fluir, 500 Baraile Min Bhuidhe, 100 Baraile Min Choirce, 6,000 poca Salain. Tha so air a chumail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. [TD 5] [Vol. 1. No. 2. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 4, 1892. No. 2. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comhairlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. DOL FODHA NA GREINE. N. MACLEOID. Tha thus ’a ghrian is aillidh snuadh A’ cromadh sios air chul nan stuadh; Do ghathan blath air bharr nam beann, Mar or a’ dearsadh air an ceann; ’S an deigh do chuairt bho’n ear gu’n iar, Am measg gach doinionn, gaoth, ’us sion, Tha thu gun smalan air do ghnuis, ’Dol gu do thamh gu samhach ciuin. B’ e m’ iarradas ’s mo ghuidhe fein, An uair ’thig crioch ’us ceann mo reis— ’Dol troimh gach buaireadh, cath, us ’leon ’Tha buailteach dhuinn an so ’s an fheoll— Gu ’m faodainn amharc na mo dheigh, ’Us buaidh ’thoirt orra sin gu leir, Mar thus’ an nochd an deigh do chuairt, Le gloir a’ lasadh na do ghruaidh. Faodaidh no gaothan ’s neoil nan speur ’Bhi ’cur nan cath, ’s ’ga’n iomairt fein, ’Dol uair gu deas, us’ uair gu tuath— Cha ghabh iad fois, ach air an ruaig, Ach thusa, seasmhach, buan gu brath. ’Na d’ mhorachd threun cha teid as t’ ait’, Mar lochran dealrach as ar cinn, Gun chaochladh ort bho linn gu linn! ’S tu’ chuireas beatha, neart, ’us treoir, ’Bheir fas ’us cinneas air gach por, Do’n daraig aird, ’s do’n bhileig fhaoin, Cha dean thu dearmad air a h-aon. Do chairdeas saoibhear, farsuinn, fial, Cho ur an diugh ’s a bha e riamh, Thu ’dortadh t’ fheartan oirnn gu saor, ’S cha toir sin traoghadh air do mhaoin. ’Us mar an Ti ’thug dhut do ghloir, Cha seas an dorchadas ’na d’ choir, Cho luath ’s a thogas tu do cheann Theid fuadach air mar cheo nam beann. ’Us riamh bho ’n fhuair thu ’n reachd bho ’n Righ, Cha deach thu leud na roineig cli, A’ ruith do reis gu stolda reidh, ’Dol tiomchioll air a’ chruinne-che. Gu ’n robh gach solas dhut a ghrian, Tha feum ort far am bheil thu triall, Bidh sinne dorcha ’n so gun ghean Gu ’n duisg thu ’m marach anns an ear. Ach laidh thu sios air chul a’ chuain, ’S dh’ fhag thu na spenan trom fo ghruaim, Tha neoil na h-oidhch’ a’ tarruinn teann, ’S bidh mis’ a’ tearnadh sios do ’s ghlennn. Tha stoirmeanan a soir dheanamh milleadh anns na Staitean a niar. SEAN SGEUL AGUS ORAN. Bha nighean og a muigh air airidh, uair, ’s co thainig ga coimhead ach a leannan, a thug gealladh-posaidh dhi beagan uine roimhe sin. De’n turus air an tainig e ach a dh’innse dhi gu ’n robh e dol ga fagail, ’sa dol a phosadh nighean eile ’bha na bu bheartaiche na ise. Ach nuair a rainig e ’n tigh anns an robh i, threig a mhisneach e, agus thuirt e rithe nach robh e ach mu’n cuairt ag iarraidh nan each. Bha fhios aice-se roimh laimh de bha na bheachd, ’s cha bu luaithe thionndaidh a leannan bho’n dorus na chual’ e guth binn, muladach, a seinn mar a leanas:— Sgeul a chualas bho’n de, Mu shealgair an fheidh, Clach eadar mi fein ’s mo bhrog. Ghabh thu leisgeul ’san uair, Gur e eich a bha bhuat, Cas a shiubhladh nam fuaran gorm. Cas a dhireadh nan stuc ’Sa thearnadh nan lub Dheanadh fiadhach ri druchd gun cheo. Bu tu mo cheannaich air feill, Mo chrios us mo bhreid, Is sgian bheaga na reidh-chois oir. Bu tu mo chompanach ruin, Nach fhagadh mi’n cuil, ’Nuair bhiodh cach ann an cuirt an oil. ’S bho mach eil agam spreidh, De mu’n cuirinn ort deigh? Ach mo bheannachd ad dheigh, ’s bi falbh! Air dha so a cluinntinn, thaisich a chridhe, thill a shean ghaol ris a rithist, agus ’nuair a sguir an t-oran fhreagair mar so:— Ach ged th’aice-se spreidh, De mu’n cuirinn oirr’ deigh, Fhad ’sa mhaireas tu fein rium beo. Cha n eil e air innse dhuinn ciamar a chaidh dhaibh ’na dheigh sin, ach faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh iomradh air an nighinn bheartaich tuilleadh, co-dhiu ghabh i sin gu math no gu h-olc. Ma bhios aon do ar luchd-leughaidh sgriobhadh gu Mr. Abbott, Priomhair Chanada, no gu Oliver Mowat, Priomhair Ontario, cuiredh e Sir ri’n ainmean. Rinn a Bhan-righ Ridirean dhiubh o chionn ghoirid. [TD 6] [Vol. 1. No. 2. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge bi aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN, 4, 1892. THA sinn fior thoilichte bhi cluinntinn gu bheil cairdean aig MAC-TALLA ’s gach aite ’m bheil e dol. Tha facal molaidh agus misnich a tig’nn a sid ’s a so, ag innse nach eil cairdean na Gaelig ainneamh anns an duthaich so, ged a tha iad car balbh. Ma ni iad cho math na dheigh so ’sa rinn iad o’n thainig a cheud aireamh a mach ni iad gle mhath. Dh’iarramaid air ar cairdean tuilleadh dichill a dheanamh air cuideachadh leinn. Se ar barail nach eil aon phaipear Gaelig ann an Canada an diugh ach MAC-TALLA. Aig a cheart am tha na miltean ann an Canada a labhras agus a leughas Gaelig. Car son, ma ta, nach eil paipearan aca ’nan canain binn, blasda, fein, mar a th’aig gach sluagh eile? Cia meud paipeir a tha Frangaich Chanada a cumail suas ’nan canain fein? Cia meud a th’aig Gearmailtich Chanada? Tha na ficheadan aca le cheile. Nach eil e ma ta na mhasladh do Ghaeil Chanada nach eil iad a cumail suas aon phaipear ’nan cainnt fein, cainnt a tha fad air thoiseach air cainnt nam Frangach ’s nan Gearmailteach, cainnt air am bheil moran a deanamh dimeas do bhrigh nach eil eolas ac’ oirre. Neach sam bith aig am bheil eolas coir air a Ghaelig, tha meas aig oirre, ’s cha tugadh e seachad i air son cainnt sam bith eile, ged a bhiodh sia ’na chomas. Bu choir dhaibh, ma ta, feuchainn ris a mhasladh so a thoirt air falbh. Se’n aon doigh air sin a dheanamh cuid eachahh leis an aon phaipeir a th’aca, (ged is beag e) anns gach doigh as urrainn dhaibh. Iadsan a leughas Gaelig, leughadh iad MAC TALLA, agus paidheadh iad air a shon; iadsan a sgriobhas Gaelig sgriobhadh iad air a shon, litir, sgeul, no ni feumail sam bith. Deanadh gach neach a reir a chomais’s cha bhi sinn ga agairt air son a chorr. GED a ghabh sinn as laimh a bhi deasachadh MHIC-TALLA, cha’n eil sinn a gabhail oirnn fein a bhi nar sgoilearan Gaelig na’s fhearr na cach uile. Tha fhios againn gle mhath nach eil sinn mar sin, ’s cha’n ann air son ar foghlum a shealltuinn a thoisich sinn an obair so idir, ach air son cothrom a thoirt do mhuinntir eile. Tha moran de dheagh sgoilearan Gaelig anns an duthaich so nach eil a cleachdadh an cuid foghluim, a chionn nach eil paipear ann a chuireas an cuid sgriobhaidh an clo. Tha sinn an dochas gu’n gabh iad so ris a chothrom a tha nis air a thoirt daibh, agus gu’n dean iad MAC TALLA na phaipeir cho math ’sa bhios ri fhaotainn. Fhuair sinn litir bheag, bhlasda, bho “C.” Gheibh ar leughadearan i anns an ath aireamh. Bi’dh sinn ro-thoilichte bhi cluinntinn bho neach sam bith eile, aig am bheil focal ri radh ruinn, ’gar moladh no ’gar caineadh, ’Se moladh as fhearr a chordas ruinn, ach dh’fhaoidte nach bu mhisde sinn beagan diomolaidh. Ma tha thu faicinn dad cearr air MAC TALLA, innis e, cha’n ann do mhuinntir eile, ach dhuinne. Tha e air a radh gur math an sgathan sul caraid. Cha’n ann a h uile latha ’theid paipear Gaelig a thairgse dhuit air leth dolair sa bhliadhna. Uime sin bi glic agus gabh an a cothrom fhad sa gheibh thu e. Cuir do leth dolair air adhart agus theid sinn fein an urras nach bi aithreachas ort. Seall MAC-TALLA do mhuinntir eile, agus, ma tha cairdean duit air falbh o’n tigh, cuir g’an ionnsaidh e, feuch ciamar a chordas e riutha. Tha Casket Antigonish a deanamh moladh mor air MAC-TALLA ’sa guidhe soirbheachadh leis. Tha sinn fada ’n comain a Chasket airson a dheagh dhurachd. Thaghail duine aig tigh aon uair, agus dh’iarr e deoch uisge air bean an tighe. Nuair a chaisg e a phaghadh, dh’fheoraich e dhi an robh i posda. Fhreagair ise gu’m bu bhantrach i. Thuirt esan gum bu bhantrach e fein. “Thig a stigh,” ars ise, “agus cuiridh sinn cuisean air doigh.” An latha sin fein chaidh am posadh. Tha Capt. J. W. Lawlor, Chelsea, Mass., a deanamh deiseil gu dhol thairis air an Atlantic ann am bata nach eil ach da throigh dheug a dh’fhad. Ma gheibh e null beo, bidh am bata ri fhaicinn aig Feil an t-Saoghail air an ath bhliadhna. Ach se’s docha nach bi’dh e fhein no’m bata ri fhaicinn. Air Mai 23mh, bha Edward Smith, Newport, a leagail seann tigh. Thuit maide no bord far an tighe agus bhuail e air ’sa cheann. Thug so a bhas air an ath Dhi-haoine. Bha e 65 bliadhn a dh’aois. Dh’fhag e bantrach agus seachdnar chloinne. D. MAC ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stuam eile air laimh an comhnuidh. Biadh air a dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu’ ruig thu an ACADIA HOUSE, far am faigh thu deagh bhargan. LEINEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP. ANART & CAILEAGU (air gach pris). FLUR AGUS MIN. [TD 7] [Vol. 1. No. 2. p. 3] NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Thaghail an Soitheach-Smuid “Harlaw” aig Sidni ’s aig Sidni Tuath, Dirdaoin. Chaidh Mr. Kirkpatrick a chuir a stigh na riaghladair air Ontario ’an aite Shir Alasdair Chaimbeil. Chaidh 1,900 each a chuir a Canada gu Breatuinn an uiridh, ’s tha tuilleadh a dol a null gach seachdainn. Bha stoirm da chlaich-mheallainn ann an Sassuinn air an t-seachdainn a chaidh, a rinn milleadh mor air measan. Dh’fhag G. R. MacCoinnich, duine saoibhir a dh’eug ann an New York, $100,000 aig Eaglais Shaor na h Alba. Chaochail mac do Chornelius Vanderbilt, ann an New York o chionn ghoirid, agus tha eagal air cuid gun teid athair as a rian. Tha e air aithris nach eil am Pap gu ro-mhath ’sna lathaichean, so. Tha e na shean duine, ’s tha teas an t-samhraidh deuchainneach air. Bha crith-thalmhainn ann an Sassuinn air an t-seachdainn s’a chaidh. Cha d’rinneadh cal sam bith, ged a chuir i eagal gu leor air cuid. Tha eadar 75,000 ’us 100,000 duine ’nan tamh anns na Staitean a near, ag iarraidh tuilleadh tuarasdal. A chuid mhor dhiubh so, is clachairean iad. Tha tuathanaich a sior-fhagail Dakota ’sa dol gu Manitoba. Tha so ag innse gur h-i Canada duthairrch as fheau na na staitean, ged nach eil i cho fada deas. Tha muinntir Ulster, ceann-a-tuath Eirinn, a cuir an aghaidh Fein-riaghladh a thoirt do dh’Eirinn. Tha iad ag radh nach toir iad geill do Pharlamaid a shuidheas ann am Bail-ath-cliabh. Chaidh fear, Bryant Crandall, a ghlacadh ann an San Francisco, air son cionnt eigin agus bha e air aithneachadh le neach a bha aig ’adhlacadh, ann am Buffalo, o chionn sia bliadhna! Tha’m bradan cho pailt ann an Columbia Bhreatunnach ’sgu bheil na h-iasgairean ga reic air 10 stn am fear. Bha cuid ’gan reic cho iosal ri sent an t-aon. Bradan a thoimhseas fichead punnd air aon sent!’ Iasg saor da rireadh. Theich Mr. Allan, duine posda, le Mrs. Hebden bean fir eile, a Montreal o chionn da sheachdainn. Bha iad le cheile da theaghlaichean cho beartach ’s cho measail ’sa bh’anns a bhaile. Dh’fhag Mr. Allan bean agus coignear chloinne; agus dh’fhag Mrs. Hebden leanabh, da bhliadhna dh’aois, agus dithis ghillean oga, fear deich bliadhna, ’s fear da bhliadhna dheug. Dh’fhag am ‘Pelican,’ Sidni air an 29mh la. An ath latha thainig long-chogaidh Fhrangach an ‘Drac’ a stigh. Tha iad le cheile dol gu Newfoundland, far am bheil muinntir na duthcha sin ’s na Frangaich gu tric a dol far a cheile. Bha bean ann am Peterboro, Ontario, a feitheamh ris an train an latha roimhe. Thainig bean eile far an robh i ’s dh’iarr i oirre ’leanabh a chumail dhi fhad s a bhiodh i fein a ceannach ticket. Rinn i sin, ach a reir coltais cha do cheannaicheadh an ’ticket fhathast, oir chair fhacas a bhean eile uaithe sin. Tha Ameer, no righ, Afganistan a tighinn air cuairt do Bhreatuinn, an uine ghoirid. Tha sinn an dochas gu’n cord a thuras ris. Air leinn gu’m bi e na ni iongatach leis nach faic e Victoria, uair sam bith, a tilgeadh a chinn far duine thall ’sa bhos, mar is cleachdach leis fhein far am bheil cead a spoige aige. Chaidh fear Sheumas Gleeson a mharbhadh anns a mhein-ghuail aig Sidni Mines air an 27mh de Mhai. Bha e cuir ni eigin air doigh faisg air beul an tuill. Dh’fhuasgail an rop ris an robh e’n crochadh, agus thuit e sios 350 troigh, ’s bha e marbh mu’n gann a rainig e. Bha ’mhathair a feitheamh ri thighinn dhachaidh mu’m am a thachir so. Bha e 24 bliadhna dh’aois, agus na dhuin og tapaidh gealltannach, air an robh meas aig gach aon do’m b’aithn’ e. Air an t seachdainn a chaidh, thainig Fearachar MacIllinnean dhachaidh dh’-ionnsaidh na h-Aibhne-Meadhonaich an deigh dha bhi air falbh bho thir oige da fhichead bliadhna ’sa coig. Chaidh e do na Staitean na dhuine gle og: As a sin chaidh e dh’ Australia far an robh e ’g obair ’sna meinean oir, ’s far an d’rinn e fhortan. Cha do dhichuimhnich e riamh tir a dhuchais, ’s tha e nis air tigh’nn dhachaidh a chur seachad a chuid eile d’a laithean a measg a chairdean ‘sa luchd-eolais. Dh’fhag Iain Kennedy, Little Glace Bay, a dhachaidh air feasgar a 24mh de mhai ’s cha d’fhuaras sgeul air o’n uair sin. Bha e fein agus dithis dhaoine bharr soitheach-smuid a bha stigh, ann an tigh-oil fad an fheasgair. Chaidh na daoine sin air bord an t-soithich an ath mhaduinn ’s an cuid aodaich fliuch. Tha iad-san ag radh nach d’fhag Kennedy an tigh-oil comhla riu, ’s tha muinntir an tigh-oil ag radh gun d’fhag. Tha ’chairdean a rannsachadh anns gach ait air a shon, ach cha d’fhuaradh e fhathast, marbh no beo. Tha cuid am barail gu’m deach e gu Montreal anns an t-soitheach, ’s tha cuid eile ’smaoineachadh gu’n mharbhadh e. Bha uaireadear oir agus $11 a dh’airgiod aige ’sa mhaduinn. Tha e duilich a dheanamh a mach gu de dh’eirich dha. Bha e 28 bliadhna ’dh’aois. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO— C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 8] [Vol. 1. No. 2. p. 4] TOIMHSEACHAN. EAD. LE A. M. Do chruthaich Dia mi mu’n d’rinn E Adhamh; Ach aon uair riamh, cha do bhrist mi aintean. Ge d’thug E com dhomh le feoil ’s le cnamhan, ’Sann dh’fhag E lom mi, gun chas, gun lamhan. ’Nis tha ri innseadh, nach d ’thug Dia dhomhsa Anam priseal, ged is creutair beo mi. Bha aon la sonruicht ’sam fac mi Adhamh, Is thug e ainm dhomh a reir mo nadair. Tha mise eolach ’s gach cearn do’n t-shaoghal, Ach air an talamh cha tric leat m’fhaotinn. ’S a chum co-lionadh a ruin ro ghrasmhor, Bha am thug Dia dhomh anam neo-bhasmhor; Is ’nuair a chriochnich E ’n run a b’ail leis, Thug Esan bhuam e, ’s bha mi mar b’ abhaisd. Tha mi am Chreutair da rireadh neonach, Cha’n innis’ mi breugan, no’n fhirin chomhnard; Is aon chuid sona, no truagh, cha bhi mi; Tha mi caoin shuarach a thaobh a Bhiobuil. ’Nuair gheibh mi bas, bheir mi soills’ do mhoran, Cha ruig mi Paras, ’s cha bhi mi’n doruinn. A nis ma’s miann leat mi m’ainm dhuit innseadh, Do bhiobul rannsaich le d’ uile dhichioll; Is ceart cho cinnteach ’s tha mis ga raitinn’ Gheibh thu e sgriobhte an caochladh aitean. SID ’US SO. A choinn mios no dha, cheannaich bean ann a Philadelphia bord air a dheanamh air geugan craoibhe ’sa chairt orra. O chionn da sheachdainn, thoisich am bord air fas, agus, a nis tha e fo lan bhlath. Chaidh duine geal a dh’eisdeachd ministeir dubh agus chord an searmon ris cho math ’s gun da chuir e coig dolair anns an tionail. Bha so no ni cho neo abhaisteach ’s gu’n tuirt am ministeir, aig crioch na seirbhis, gu’n d’rinn iad tionail mor—sia dolair dheug,—“Se sin,” air esan, “Mur e airgiod meallta ’thug an duine geal dhuinn.” Tha paipeir a Halifax ag radh, gu’n deachaidh triuir dhaoine oga mach a dh’iasgach. Rinn iad ragh air maidean ’s chaidh iad a mach air loch. Rug iad air tri fichead iasg, ach nuair a bha iad a tilleadh leis, bhirst an ragh ’s iad leth-mhile bho thir. Ghreimich gach fear air maide, ’s fhuair iad dhachaidh sabhailte. ’Si cheist a nis, de dh’eirich dha’n iasg? BATHAR UR! BATHAR UR! —AIG— Vooght Bros., SIDNI TUATH, C. B. Aodaichean, Adan, Fluraichean, Paipear Rum, Cuirteanan, Brogan, &c, &c. 1,000 Baraile Fluir, 500 Baraile Min Bhuidhe, 100 Baraile Min Choirce, 6,000 poca Salain. Tha so air a chumail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. [TD 9] [Vol. 1. No. 3. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 11, 1892. No. 3. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. A’ CHATHAIR GHAIDHLIG. LE N. MACLEOD. AIR FONN:—“Faigh a naus dhuinn am botal.” CHAIDH an t-oran so a dheanamh aig an am ’s an robh a’ Chathair Ghaidhlig air a suidheachadh ann an Duneidean. Gur binn leam an sgeul ud A leubh mi Diluain, Mu Chathair na Gaidhlig An trath so ’bhi suas; ’Us canan nan armunn Nach d’ fhailing ’s an ruaig, An diugh mar ’bu chor dhi ’Toirt eolais do ’n t-sluagh. ’Mhic Fhionghain a charaid’ Bi fearail ’s bi cruaidh, Gu eachdhraidh nan laoch ud. A sgaoileadh le buaidh, ’Us lanachd na Gaidhlig, A bardachd ’s a duain, ’S an dileab a dh’fhag i Dean laidir ’us buan. Thoir fios do na garlaoich Le’m b’fhearr i ’bhi marbh, A dh’aindeoin an cainidh Nach fhag iad i balbh; Ach mairidh i laidir Gun fhailinn ’n a dealbh, Cho cinnteach ri canain A Babail a dh’fhalbh. A’ chainnt a rinn cliuteach Dhuinn duthaich nam beann, ’Us canain ar sinnsir Na diobradh an clann; ’S i dhuisgeadh gu sunnt iad ’N am rusgadh nan lann ’S cha chuir sinn air chul i Le muiseag nan Gall. ’Us cairdean na Gaidhlig Nach d’acheidh i riamh, Nach fhuilig a reubadh ’S a dh’eireas ’g a dion, Ged’ sgaoileadh bho cheil iad Le eucoir nach b’ fhiach, Tha spiorad an sinsir ’Nan innitinn ’s ’nan gniomh. ’S bidh fhathast a cairdean Mar ’bha iad bho chian, An duthaich nan ardbheann An aite nam fiadh; Gu curanta laidir Gu blath-chridheach fial, ’S an comhradh gach la Ann an canain nam Fiann. ’S ri cogadh no tagradh A bhagras ar crun, Ma thogair a’ bhratach Ri caismeachd a chiuil, Theid fiuran nam breacan Mar ’chleachd iad bho thus. Air toiseach nan gaisgeach Gun taise ’n an gnuis. LITIR BHO DR. BLAIR. AN LAGAN UAINE. 6mh la, Iun, 1892. Is taitneach leam a bhi faicinn paipeir uir ann an Gaidhlig d’an ainm MAC-TALLA. Tha mi an dochas gun cumar suas e leis na Gaidhil a ta anns an duthaich uir so, a chum ’s gum bi e da rireadh ’na MHAC-TALLA a’ co-fhreagairt do’n Ghaidhlig a ta air taobh thall a’ chuain mhoir a tha eadar sinn fhein agus tir nam beann, far an do ghabh ar sinnsear comhnuidh bho shean, agus far an d’ araicheadh cuid dinn fein mar an ceudna. Tha mi duilich a bhi faicinn an fhacail ghallda “subscriber,” ann an toiseach a phaipeir mar gum biodh a’ Ghaidhlig cho bochd, gann-bhriathrach, agus gum feumadh i facail-iasaid a ghabhail bho chainnt nan Gall. Theirinn-sa gabhaltaiche, no gabhaltaichean, ris an fhear, no ris an dream a tha a’ gabhail a’ phaipeir. Tha gabhaltaiche a’ ciallachadh neach a ghabhas mir fearainn air mhal, agus nach ’eil an t-ainm freagarrach dhoibh-san a ghabhas am MAC-TALLA? Nach e am MAL bliadhnail a tha air iaraidh air a shon Leth-Dolair? Cha mhor am mal e, agus cha chreach e Gaidheal sam bith a phaigheadh, air cho gann ’s gum bi a sporan. Tha mi an dochas uime sin nach bi e ’na ni deacair-coig ciad gabhaltaiche fhaotainn a ghabhas am MAC-TALLA. D. B. BLAIR. Tha Ard Sheanadh na h-Eaglais Chleireachail an Canada ’na shuidhe ann am Montreal. ’Se Principal Caven an ceann suidhe. Tha tuiltean mor’ ann an Ontario ’Niar. Tha’n t-uisge sileadh nis truime na bha e o chionn corr ’us deich bliadhna. [TD 10] [Vol. 1. No. 3. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn e chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 11, 1892. Neach sam bith a chuireas sia ainmean agus tri dolair g’ar n’ionnsaidh, gheibh e fhein MAC-TALLA ’nasgaidh fad bliadhna. Feumaidh an t-airgiod tighinn leis na h-ainmean. Cia meud choisneas MAC-TALLA air an doigh so. Tha sin a tuigsinn gu bheil an t-Urr. A. MacIllean Sinclair an deigh leabhar ur Gaelig a chuir a mach. Cha’n fhaca sinn an leabhar so fhathast, ach tha sinn cinnteach gur math is fhiach e leughadh nuair a thig e. Cha’n urrainn dha gun bhi math, ’se tigh’nn bho pheann an fhir a dheasaich “Clarsach na Coille.” Tha Fianuis Montreal ag radh: Fhuair sinn a cheud aireamh de MHAC-TALLA, paipear Gaelig a th’air a chuir a mach ann an Sidni, C. B. ’Se cheud phaipear Gaelig a chuireadh a mach ’an Canada, agus is coir do gach neach aig am bheil meas air “cainnt Eubh” a bhi cuideachadh leis. Tha Gaeil na Beinn’ Rioghail a deanamh aoibhneas mor ris.” Tha sinn a cluinntinn gu bheil cuid a’ gearan air cho beag sa tha MAC TALLA. Cha’n eil sinn a dol as aicheadh sin idir. Tha MAC-TALLA gle bheag, gu dearbh. B’e ar miann e bhi mor, ’s tha sinn an dochas gu’m bi e mar sin fhathast. Tha, mar an ceudna, phris beag, ach cha tug ar cairdean gearanach iomradh air sin; cha tugadh ged a reiceamaid e air coig sentaichean an dusan. Cha’n eil e ceart do mhuinntir a bhi deanamh tair air mithean beaga; ’s iomadh aon a rinn sin, air an robh aithreachas a rithist. Tha cno na ni gle bheag, ach cuir ’s an talamh i agus an ceann bhliadhnaichean, tha i na craoibh mhoir air nach dean duine glic sam bith taire. Air leinn gur h-iomadh aon a dheandh tair air Buonaparte nuair a bha e ’na leanabh, nach sealladh ’na aodann nuair a bha e na dhuine. Sann mar sin is coir do mhuinntir a bhi faiceallach. Cha’n eil fhios aca de dh’fhaodas tigh’nn mu’n cuairt. LITIR BHO “CHOINNEACH.” A CHARAID: Thainig a cheud aireamh de MHAC-TALLA gu laimh an diugh, agus gu cinnteach tha mi ro-thoilichte leis, agus tha mi’n dochas gu’n dean cairdean na Gaelig anns gach aite nis urrainn daibh arirson a chumail suas. Bi’dh moran ri gearain a chionn nach eil a ghaelig air a labhairt cho tric sa bha i aon uair agus bithidh iad sin gu tric a ruith sios na muinntir “a tha fas nan goill.” Tha cothrom a nis air a thoirt daibh sin air a Ghaelig a chumail suas le bhi gabhail a phaipear so agus le bhi sgriobhadh air a shon cho tric ’s s’s urrainn daibh. Aig an am so innsidh mi dhuibh sgeul bheag mu thimchiol amadan a bha uair eigin ann an Alba. Anns an duthaich sin bhiodh moran de leth-chiallaich a dol mu’n cuairt, agus bha cuid dhiu a bha gle ghleusda. Chaidh am fear araidh so do’n eaglais aon la agus ’nuair a bha’n searman a dol air adhart, thuit an sluagh uile ’nan cadal. Tha e coltach gu’n robh am ministear ni-eigin cadalach e fein, ach ’nuair a chunnaic e mar a bha an sluagh, bheothaich e suas agus thug e ach’asan laidir dhaibh, ag radh “Duisgibh? Duisgibh! Nach eil nair oirbh idir sibh uile n’ur cadal ach an t-aon amadan bochd a tha n’ur measg!” Cha do chord so ris an amadan agus dh’eirich e na sheasamh agus fhreagair e: “Tha, a mhinistear, sin mar sin. Tha iad uile ’nan cadal ach an t-aon amadan bochd, ach creid mise, mur bithinnse ’nam amadan, bhithinn nam chadal maile ri cach!” Co bu ghlice, aig an ann ud, am Ministear no’n t-amadan. Le bhur cead, sgriobhaidh mi rithist, COINNEACH. BHO “GHAIDHEAL.” FHIR DHEASACHAIDH: Chunna mi’n chiad aireamh de’n Phaipeir Ghaidhlig a tha sibh a cur a mach. Thaitinn e rium gle mhath. Cha’n eil MAC-TALLA ach beag, ach ’s duallach gur h-ann a fas a bhitheas e. Cha ’n urrainn sinn a radh ma dheibhinn mar thuirt am fear dona na mhisg: “Tha bhean agam beag, ’s tha i crubach, s tha i grannda.” ’Scoir do Ghaidheil na Duthcha gu h-iomlan cul-taic a dheanamh riut nad’ oidhirp chuitich. Tha mi’n earbsa gu’n deid clar-ainm do chusbadairean a miad o latha gu latha, air ait ’s gun cinnich am paipeir ann a neart, tuigse, agus meudachd. Buaidh agus piseach gu’n robh air do thaigh. Anns a litir so tha mi cur ad ionsaidh aon dollar an teisteas air mo run math dhut nad shaothair. GHAIDHEAL D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu’ ruig thu an ACADIA HOUSE, far am faigh thu deagh bhargan LEINEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP. ANART & CAILEAGU (air gach pris) FLUR AGUS MIN. [TD 11] [Vol. 1. No. 3. p. 3] NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chaidh muileann-sabhaidh, a losgadh faisg air Fredericton, N. B, a bh’fhiach faisg air $20,000. Mharbhadh 1,200 duine leis an stoirm a bh’ann am Mauritius, (faisg air Africa) aghus chaidh 4,000 a leon. Shuidh ochd duine fichead aig dinnear air bun craoibhe faisg air Tacoma, Washington, an latha roimhe. Tha’n t Urr. Dr. Siosal, Sagart Descousse, a dol gu Antigonish an uine ghoirid. Tha e air a radh gu bheil e gu bhi na fhear-deasachaidh do’n Casket. Tha e coltach gu’m bi am barr gle mhath ann an Russia air a’ bhliadhna so. Tha e na aobhar dochais nach bi gort anns an duthaich sin air chabhaig tuilleadh. Chaidh $150 de chain a chuir an N. A. Ros, Truro, air son deoch-laidir a reic ri Innseanach. Da latha roimhe sin chaidh $50 a chuir air, air son a bhi reic an stuth cheudna. Tha Priomhair Cobson, a Columbia Bhreatunnach, ann am Breatuinn an drasd ag iarraidh Croitearn Gaelach a thogas fearan air cladach a Chuain Chiuin (Pacific Ocean ). Chaidh mein airgid ’na teine ann an Austria air a cheud lath dhe’n mhios agus chaidh corr us da cheud meineadair a mharbhadh. Cha’n eil fhios ciamar a thoisich an teine. Tha plaigh iongatach am measg a chruidh ann am Mexico ’san Arizona. Tha ceann na h-ainmhidh ag at suas, agus crith a tigh’nn air, ’s tha e toirt a bhais an uine gle ghoirid. Cha d’fhuaradh iomradh air Kennedy, Glace Bay Bheag, fhathast. Chaidh na daoine bha ’g ol maile ris, am feasgar a chaidh e air chall, a thoirt a Montreal gu cuirt a sheasamh ann an Sidni, ach do bhrigh nach robh dearbhadh sam bith ’nan aghaidh fhuair iad ma sgaoil. Tha feill mhor ri bhi ann an Chicago air an ath bhliadhna ris an abrar Feill an t-Saoghail. Tha gach rioghachd ’san Roinn-Eorp, Canada, agus iomadh duthaich eile ’deanamh deiseil air a son, agus tha gach aon a feuchainn ri bhi air thoiseach air cach. Tha teann air ceithir cheud bhiadhna bho’n chuir Columbus a cheud eolas air America, agus ’sann mar chuimhneachan air an duine mhor sin a tha’n fheill so ri bhi air a cumail. ’S beag a shaoil Columbus fhein, ’nuair a bha e beo, gu’m biodh an Saoghol uile ’n diugh a toirt urram dha. Tha 10,000 tinn leis a ‘Ghrip’ ann am Beunos Ayres, Ceann-Deas America. Tha’n t-iasgach gle mhath aig Gabarus. Tha e air a radh gu bheil an acarsaid beo le rionnach. Tha’n gaspero gle phailt aig Margaree. Chaidh factoridh-chaise ’chuir na teine aig an Abhain-Mheadhonaich air 31mh Mai. Cha’n eil fhios co rinn an droch ghniomh so. Tha 1,975,000 acaire fearainn ann an Alba fo na feidh, ’s tha na h-uachdrain a faighinn £400,000 ’sa bhliadhna mar mhal air a shon. Aig Hantsport, N S., chaidh gille beag sia bliadhna ’dh’aois, do’m b’ainn Grey, air chall anns a choille. Bha e an sin bho choig uairean feasgar Dirdaoin, gu meadhon-latha Di-domhnaich, nuair a thainig e mach sia mile bho’n aite o’n d’fhalbh e. Tha e ’g radh gu’n robh e ’g itheadh measan beaga agus duilleagan anns a choille ’s gu ’n robh e ’cadal nuair thigeadh an oi’che. Bha ’chuid aodaich gle thana ’s cha robh ad no ni m’a cheann. Bha stoirm uisge ann oi’che Dihaoine, agus tha e iongatach ciamar nach do mheilicheadh e. Tha na paipearan ag radh moran mu dheibhinn Dr. Buchanan. Dhealaich an duine coir so ri ’cheud bhean ann a Halifax, agus phos e bean eile. Chaochail i so ann an New York o chionn beagan uine, agus thainig esan air ais gu Halifax, far an robh a cheud bhean. Chaidh iad le cheile a sin gu Windsor far ’n do phosadh iad an darra uair. Tha e air aithris an drasda gu’n chuir e as da’n bhean eile leis a phuinnsean, agus tha luchd-ceartais a rannsachadh na cuise. Tha ’cheud bhean an deigh fhagail a rithist ’s air a dhol air ais gu Halifax. Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa gle an-earbsach as a cheile. Tha eagal air an darna rioghachd gu’n tig an rioghachd eil’ oirre gun fhios. Tha’n Fhraing a feitheamh ri cothrom math fhaotainn gu dioghaltas a dheanamh air a Ghearmailt air son cogadh 1870-71 ged is i fhein a thoisich an cogadh sin. Tha ’Ghearmailt ag ullachadh air son na Frainge. Tha Russia ’feuchainn ri cothrom fhaighinn air an Tuirc, agus mar sin sios. Tha iad uile air an lan armachadh agus a feitheamh ris a cheud bhuille. Tha e cho docha nach bi cogadh ann gu ceann aireamh bhliadhnaichean fhathast, ach tha e tighinn, agus bi’dh e na chogadh eagallach. Cha’n eil teagamh nach biodh spog aig Breatuinn ann mu’m biodh e seachad, agus aig rioghachdan eile mar an ceudna. Tha Breatuinn na h-aonair a gabhail a ghnothuich air a socair ’sa feuchainn ri cuisean a cheartachadh aig an tigh. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO— C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 12] [Vol. 1. No. 3. p. 4] FAICIBH SO. Tha MAC-TALLA ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas: Sidni, Iain A. MacCoinnich. Sidni Tuath, Wilson & Co. Pictou, Seumas Mac ’Illeain. CUNNART ANTOMI. Anns na laithean a dh’fhalbh, fada ’n deigh do Cholumbus cas a chuir air tir ann an America, bha duine do’m b’ainm Antoni a ruith Carbad a Phuist air mir do’n rathad eadar so ’us Caolas Chanso. ’Nuair a bhiodh na roidean air an tachdadh le sneachda ’sa gheamhradh, bu tric le Antoni bhi gabhail na deighe, ni a bha air uairean gle chunnartach. Latha de na laithean, bhrist an deigh, ’s thoisich e fein ’s na h-eich air a dhol fodha. Na eigin ghlaodh e ri fear-siubhail a bha comhla ris, “Sabhail na mails! Sabhail na mails! Ma theid mise ’bhathadh, ’s gu’n caillear na mails, ni am Moireastanach mo mharbhadh!” (B’e am Moireastanacha mhaighstir.) Gu fortanach cha do bhathadh Antoni ’s cha mho chailleadh na mails, agus air an aobhar sin tha Antoni gun a mharbhadh fhathast. RANN. Meirle dheanamh air a’ mheirleach, Gu’m b’e sin a’ mheirle bhorb; Cha’n eil taobh a theid a’ melrleach, ’Nach ’eil meirleach air a lorg. ’Se’m buileachadh ’ni’n cruinneachadh, ’Se’n cruinneachadh ’ni sguaban, Na sguaban ’ni na mulanan, ’S na mulanan na cruachan. Bha Sasunnach beag neanbh uair a sealgaireachd air a Ghaeltachd. Bha aige mar fhear-iuil, Gael mor, fad chasach, a bha aig a cheart am air mhisg. Bha iad a direadh beinne, an Gael air toiseach ’san ’Sasunnach bochd, ’s aonach air, a tigh’nn na dheigh. Bha na cuileagan gle dhona, ach cha robh iad a beantuinn do’n t-Sasunnach. “De ars esan “is coireach nach eil na cuileagan riumsa mar tha iad riutsa?” “O” arsa Calum, ’se deanamh gaire beag ris fhein, “dh’fhaoidte nach fhac iad thusa fhathast.’” Tha baile Venice, an ceann-tuath na h-Eadailt, air a thogail gu leir air eileanan, ’s tha na sraidean uile lan uisge. Tha moran de’n t-sluagh nach robh mach as a bhaile riamh, agus nach aithnicheadh each ged chitheadh iad e. Thug fear-ioghnaidh aon do’n bhail’ uair, agus phaigh moran tasdan air son cead fhaicinn, an duil gur h-e bh’ann dragon no beathach oilteil dhe’n t-seorsa sin. Tha’n Ooil-thigh a’s mo air an t-saoghal, anns an Eiphit, duthaich anns nach rachadh nach sam bith ’ga iarraidh. Tha aona mile deug foghlumaich’ ann. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. Tha so air a chumail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nan beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.’’ “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni; feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 13] [Vol. 1. No. 4. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 18, 1892. No. 4. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. FAICIBH SO. Tha MAC-TALLA ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas: Sidni, Iain A. MacCoinnich. Sidni Tuath, Wilson & Co. Pictou, Seumas Mac ’Illeain. ROR RUADH ’SAN T-AMADAN. Nuair a bha Rob Ruadh MacGhriogair aig ’airde anns a Ghaeltachd, bha duin-uasal ’na uachdran air Dunbheagain da’m b’ainm Tormod MacLeoid. Bha na Leodaich nan uachdrain air Dunbheagain ceudan bliadhna roimhe sin agus tha’n sliochd ann gus an latha ’n diugh. Bha Tormoid so na dhuine cho ainmeil ’sa bha dhiubh riamh, agus bha e na dhluth-charaide do Rob Ruadh. Innsidh sinn cia mar a thainig iad gu bhi mar sin. Bha MacLeoid air am araidh ag iarraidh airgiod a bha aige’n Inbhirnis a thoirt gu Dunbheagain. Thug e ordugh do aon de sheirbhisich a dhol ga iarraidh, ach bha eagal air an duine sin gu’n coinnicheadh Rob ris. Bha fhios aige gu robh Rob, aig a cheart am sin, am falach an ait-eigin eadar an t-Eilein Sgiathanach ’us Inbhirnis. Bha leth-chiallach de dhuine mu’n cuairt de Dhunbheagain, aig an am sin, agus dhasan dh’innis an seirbhiseach an cas anns an robh e. Dh’fhalbh an t-amadan ’sa mhionaid far an robh Mac Leoid, agus thairg e dhol a dh’iairaidh an airgid an aite ’n duin ’eile. Dh’aontaich a mhaighstir ri sin gu toilichte. Dh’fhalbh e, agus air an t-slighe gu Inbhirnis, a direadh bruthaich chas, thachair air duine mor briagha, a dh’fheoraich dheth c’aite ’n robh e dol. Dh’innis e sin, agus dh’fheoraich an coigreach de’n gnothuch air an robh e. Fhreagair esan gu robh e dol a dh’iarraidh airgid a dh’fhag a mhaighstir ann an Inbhirnis. “Feumaidh gu bheil do mhaighstir gle bheairteach,” ars an coigreach. “O, tha e gu math air a dhoigh” ars an t-amadan. “Am bi moran airgid agad a tilleadh?” “Bithidh, ma dh’fhaoidte mile punnd,” ars an t-amadan, gu bosdail. “Feuch gu ’n gabh thu curam dheth, ma ta,” ars an coigreach. “Tha mi’n dochas gu’n tachair sinn fhathast.” “Tha mi fhein ’san dochas sin cuideachd,” ars am fear eile. Chum e air adhart an sin gu Inbhirnis, agus fhuair e’n t-airgiod. Air a thilleadh, stad e a leigeil anail faisg air an aite aig am fac e’n coigreach air a thurus gu Inbhirnis. ’S gann a bha e air suidhe ’nuair a chunnaic e an ceart duine a marcachd air each eireachdail, a tigh’nn far an robh e. Dh’fhaighnich e dhe’n amadan an deachaidh a ghuothuch leis gu math anns a bhaile. “O, chaidh, gle mhath” ars esan. Shaoil leis gu’m bu duine mor, inbheach, an coigreach, leis cho greadhnach ’sa bha e fein san t-each air an uidheamachadh, “Tha mi ’n dochas,” ars an duine, “gu bheil an t-airgiod tearuinte, oir tha agad ri thorit dhomhsa.” Cha robh fhios aig an sgalaig de dheanadh e, ach ann an tiotadh fhreagair e. “Cha’n urrainn domh airgiod mo mhaighstir a thoirt seachad.” “Ach, feumaidh tu thoirt seachd.” ars am fear eile. “Is mise Rob Ruadh!” “Cha toir mi dhuit idir e” ars am t-amadan ’se air chrith leis an eagal. “Cuirdh mi ’m peilear romhad, mur toir” arsa Rob. ’Nuair a chunnaic an t-amadan nach robh ann dha ach an darra cuid, an t-airgiod a thoirt seachad, no bas fhaighin, thug e pasgan beag as a bhroilleach agus, “Sid agad e” ars esan, ’se ’ga, thilgeil sios am bruthach. Leum Rob bharr an eich agus ruith e sios, mar a shaoil leis, an deigh an airgid. Ann an tiotadh bha’n t-amadan ann an diolaid Roib agus thog e rithe gu toilichte, oir cha robh anns a phasgan ach paidhir stocainnean, agus bha’n t-airgiod aige na phocaid. Chaidh Rob, mar so, fhagail air deireadh, gun fhios aige co bu teoma e fein no’n t-amadan. Nuair a thainig am marcaiche faisg air Caisteal an Leodaich, chunnaic am fear-fair’ e, ’s cha robh fhios aige co’m fear staitail a bh’ann, ’s chaidh e le cabhaig a dh’fheorach de Mhac-Leoid an leigeadh e ’n duin uasal a stigh. Thuirt Mac-Leoid gu’n leigeadh, nach deanadh aon duine cron sam bith orra. Nuair a chunnaic iad co a bh’aca bha iongatas mor orra. “C’ait an d’fhuair thu an t-each sin?” arsa Mac-Leoid. Dh’innis an t-amadan, agus chord an sgeul ri Tormoid gu fior mhath. Ach ’nuair a rannsaich iad an diolaid fhuair iad moran airgid a bharrachd air na thug an sgalag a Inbhirnis. Thuirt Mac-Leoid an sin ris an amadan gu feumadh e dhol air ais gu Rob le ’each ’s le ’airgiod. Bha e gle leisg air sin a dheanamh, ach m’ dheireadh rinn e mar dh’aithneadh dha, ’s bha ’n t amadan ’s Rob Ruadh ’s Mac-Leoid na’n cairdean mor’ aige ’cheile-riamh tuilleadh. [TD 14] [Vol. 1. No. 4. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 18, 1892. Tha daoine tachairt ruinn an sid’ san so nach gabh gnothuch ri MAC-TALLA a chionn gu bheil iad a gabhail pailteas phaipearan cheana. Their iad gu’m b’fhior thoigh leo bhi ’ga ghabhail, ach gu bheil aca, mar tha, barrachd ’sa’s urrainn daibh a leughadh. Their iad, mar an ceudna, gu’m b’fhearr leo MAC-TALLA na cach uile a choinn gun paipear Gaelig e, ach cha teid iad n’is fhaide na sin. Siad so na ceart daoine ’bhios a ruith sios nam paipearan Beurla air son nach eil Gaelig annta. Bi’dh iad gu tric a moladh na Gaelig ’s a gearain gu bheil daoine ga leigeil air dichuimhne. Ach ’nuair a gheibh iad cothrom mar so air a bhi cuideachadh leis a mhuinntir le’m miann a Ghaelig a chumail air chuimhne, cha ghabh iad e. Tha feadhainn eile ’ghabhas orra fein nach teid ac’ air Gaelig a leughadh. ’Surrainn daibh beagan leughaidh a dheanamh, ach cha ghabhadh iad orra fein paipear naidheachd a leughadh. Tha cuid eil a fantuinn air ais a chionn gu bheil eagal orra nach mair MAC TALLA beo uine sam bith, agus gu’n cailleadh iad beagan sgillinnean air a thailleabh. Riu sin, theireamaid nach eil curam sam bith dhaibh. Tha cairden gu leor aig MAC-TALLA, a ni nis urrainn daibh gus a chumail beo, ’s tha iad a dol an lionmhoireachd gach latha. Theireamaid ris gach aon le’m bu toil sean chanain nam beann a chumail beo, iad a dheanamh an dichill air am paipear so a chumail air adhart o nach eil paipear Gaelig anns an duthaich ach e fein. Bidh e na mhasladh do na Gaeil ma leigeas iad leis an aon phaipear a th’aca nan cainnt fein a dhol bas. Ged nach eil a Ghaelig air chor sam bith gann bhriathrach no’n taing a bhi gabhail iasaid o chanain eile, tha fhios againn uile gu bheil e na chleachdadh aig moran a bhi cuir facal beurla ’stigh an sid ’san so. Agus cha’n urrainn sinn coire sam bith a chuir orra sin, oir tha fhios againn gu bheil moran fhaclan air an cleachdadh an diugh nach tugadh riamh gu Gaelig cheart. B’ann diubh so subscriber ’nuair a thainig MAC-TALLA ’mach. Dh’fheuch sinn ri facal fhaotainn a sheasadh na aite agus a thuigeadh neach air bith, ach cha d’fhuair sinn e. B’fheudar dhuinn, mar sin, am facal sin a ghabhail mar a bha e. Tha sinn an comain na muinntir a rinn na dh’ fhaodadh iad gu facal ceart a thoirt duinn, agus tha sin an dochas nach sguir iad de’n deagh obair, ach gun toir iad ionnsaidh air Gaelig a chuir air facail eile, mar tha train, telegram, telephone, engine, hotel, agus iomadh facal eile dhe’n t-seorsa sin. Tha so na chothrom math do sgoilearan Gaelig air an cuid foghluim a nochdadh, ’s tha sinn an dochas nach bi iad leisg air sin a dheanamh. Bheir ar leughadairean fanear gu’n do chleachd sinn facal Beurla anns a cheud aireamh de MHAC TALLA, se sin subscriber. Bheir iad fanear, mar an ceudna, gu’n tug feadhainn eile ionnsaidh air facal Gaelig a thoirt duinn ’na aite. Thug an Casket facal duinn an toiseach, se sin fo sgriobhair. Se ’m facal sin an fhior Ghaelig air subscriber, ach cha’n eil e freagarach a thaobh neach a bhios a gabhail paipeir. Tha neach eile cleachdadh cusbadair agus anns an aireamh so tha cuid-eigin a toirt fear-aontachaidh mar ainn air subscriber. Cha’n eil aon duibh so a fior chordadh ruinn. Anns an airamh riomh so, tha Dr. Blair, sgiolear Gaelig cho math ’s a tha ri fhaotainn, ag radh gu’biodh gabhaltaiche na dheagh fhacal, agus, areir ar barail-ne ’se ainm a’s fhearr a fhuair sinn fhathast. Bidh sinn, ma ta, a cleachdadh an fhacail so ’an aite subscriber gus am faigh sinn facal ni’s fhearr, ma tha sin ri fhaotainn. Tha sinn a cluinntinn, nach bi an t-each-iaruinn a fagail Shidni cho trath ’sa mhaduinn, ’na dheigh so. Bidh e fagail aig cairteal gu aon uair deug sa mhaduinn ’sa tilleadh aig naoi uairean feasgar. Bidh so na chothrom mor do mhuinntir a tha leisg ais eiridh ’sa mhaduinn. Tha na mathain gle phailt ann an Colchester, N. S. An latha roimhe chunnaic Edward Hyslop, fear diubh a feuchainn ri uan a mharbhadh. Thog e clach, agus thug e buille dha’n mhathan a chuir tuaineal air. Ghabh e dha an sin le sgian, agus chuir e as da am beagan mhionaidean. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu’ ruig thu an ACADIA HOUSE, far am faigh thu deagh bhargan LEINTEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP. ANART & CAILEAGU (air gach pris) FLUR AGUS MIN. [TD 15] [Vol. 1. No. 4. p. 3] NAIDHEACHDAN SA SEACHDAINN. Tha gual Cheap Breatuinn a reic ann am Montreal bho $3.10 gu $3.25 an tunna. ’Sgaoilidh Parlamaid Chanada mu dheireadh a mhiosa. Tha e air a radh gu bheil an cuid deasboireachd gle thioram sna lathaichean so. Chaidh ceithir ciad duine mharbhadh anns a mhein a chaidh na teine ann an Austria. Chaidh fear de na meineadairan a stigh le solus ruisgte, agus ’sann as a sin a thoisich an teine. Chaidh fear Frederick Forgesan, a bhathadh aig Arichat air an t-seachdainn a chaidh, le tuiteam ann an tobar. Bha taigseachan buailteach dha, agus tha e coltach gu’n do thuit e dha’n tobar ’s e tarruing uisge. Tha beinn Vesuvius anns an Eadailt a sior bhruchdail a mach teine. ’Si so a bheinn a thiodhlaic Herculanaeum agus Pompeii o chionn corr ’us ochd ceud deug bliadhna. Cha’n eil a bhruchdail a th’oirre ’n drasd ach suarach ’n taca ris mar bha i ’nuair sin. Tha Parlamaid Bhreatuinn gu sgaoileadh air an ath sheachdainn. Bidh iomadh cath teth air a chuir mu’n coinnich iad a rithist. ’Si ’cheisd mhor air beulaobh an t-sluaigh an drasd, an teid fein-riaghladh a thoirt do Eirinn? ’Se tim a mhain a dh’fhuasgleas a cheisd sin. Nuair a bhios Iompaire Russia dol air turus sam bith, cuiridh e fios air feadh na duthcha gu bheil e dol do leithid so de dh’aite agus gu’m fag e ’n righ aig am araidh. Ach ’nuar a dh’fhalbhas e, theid e calg-dhireach an aghaidh sin, air eagal gu’m bi neach sam bith an toir air, ag iarraidh cuir as da. Tha Dr. Buchanan, air an tug sinn iomradh roimhe, anns a phriosan ann an New York. Tha e ro choltach gu’n do chuir e crioch air a mhnaoi le puinnsean. Tha ’bhean eile maille ris ann an New York, ’s cha’n eil i deonach fhagail idir. Bi’dh an Dotair air fheuchainn aig cuirt an fhoghair, air son murt, agus theid a chumail ’sa phriosan gu sin. Thig crioch air an olc uair-eigin. Bha’n t-side gle thioram o chionn beagan sheachdainnean,agus bha teintean a deanamh call mor, a losgadh choilltean agus thighean, thall sa bhos. Thainig frasan mor uisge ma dheireadh, agus rinn iad feum. Tha gach ni a cinneachadh ’sa fas ni’s fhearr air an tailleabh, agus, ma bhios an t-side fabharach na dheigh so, bidh suil aig na tuathanaich ri deagh bharr. Ged a bha nithean fad air ais anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, bidh sinn an dochas nach eil cuisean gu bhi mar sin an comhnuidh. Thuit deich oirlich shneachda ann an Dakota Deas air Iun 5mh. Bha’n latha sin cho fuar ri meadhon a gheamhriadh. Bha Iompaire Russia ag amharc air Iompaire na Gearmailt, o chionn ghoirid. Bha Iompaire na Gearmailt ga amharc-san da uair roimhe sin, ach, gu so, cha leigeadh an t-eagal leis-san tigh’nn do’n Ghearmailt, mu’n cuireadh e fearg air na Frangaich, aig nach eil gaol sam bith air muinntir an duthcha sin. Tha e air a radh gu bheil Righ na h-Eadailt ro-dheonach air a dhol a chogadh ris an Fhraing. Tha cuisean gle mhi-fhoiseil aig an tigh, agus tha Humbert a smaoineachadh na’m b’urrainn da cogadh a thoiseachadh, gu’n toireadh e aire ’n t-sluaigh air falbh, agus mar sin gu’m faigheadh e cothrom air gnothaichean a cheartachadh. Tha muinntir Cow Bay a cathachadh gu treun an aghaidh na deoch-laidir. Chaidh moran dhe’n stuth sin a ghlacadh o chionn ghoirid, ’san deigh cuirt a shuidheachadh dhoirteadh a h-uile boinne dhe air an t-sraid. Na’m biodh daoine cho tapaidh ’s cho seasmhach sin anns a h-uile aite, cha bhiodh na h-uiread de mhisgearan anns an duthaich. Tha’n t-iasgach gu tric a deanamh aimhreit eadar Breatuinn agus na Staitean. Cha’n eil ach beagan bhliadhnaichean bho’n a bha mi-chordadh eatorra thaobh iasgach an truisg air cladaichean na h-Atlantic, agus o chionn bliadhna no dha, tha iad a connsachadh mu thimchioll marbhadh nan ron air cladaichean a Chuain Chiuin. Tha sinn a cluinntinn gu bheil iad a dol a thigh’nn gu cordadh an uine ghoirid, ’s gu dearbh tha’n t-am ann. Mar is luaithe ni iad cordadh ’sann is fhearr, taobh air thaobh. Tha muinntir nan Staitean ag ullachadh air son taghadh Ceann-suidhe (President). Tha aon phairtidh an deigh Benjamin Harrison ainmeachadh airson na dreuchd ard sin. Bha Blaine a deanamh a dhichill air e fein ardachadh, ach chaidh a chuir air cul. Theid, ma dh’fhaoidte, sianar no seachdnar ainmeachadh fhathast, ach ’se aona chuid Republican no Democrat a theid a thaghadh. Bi’dh muinntir nan Staitean a deanamh othail mhor mu thaghadh Ceann-suidhe, tuilleadh sa choir. Tha ’n Ceann-suidhe ri bhi riaghladh fad cheithir bliadhna, ’s cha ghabh e cuir a mach mu’m bi uine suas, ge air bith de ni e. Fad nan ceithir bliadhna sin, tha e ni’s cumhachdaiche na Iompaire Russia, ged a tha’m fear sin a riaghladh a dhuthaich mar a thogras e fein, gun ghuth aig sluagh no aig Parlamaid anns a chuis idir. ’Se Harrison is Ceann-suidhe air na staitean an drasd, agus cha’n eil e mi-choltach gu’n teid a chuir a stigh fhathast. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO– C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 16] [Vol. 1. No. 4. p. 4] FAILTE BHON INTREBHAL. Gu Fear Deasachaidh Mhic-Talla: Thainig MAC-TALLA coir a stigh an latha roimhe, is theid mise an urras gu’n deachadh furan failte a chur air. Gun teagamh, s’ airidh e air failte chridheil fhaotainn aig gach cagailt far am bheil Gaidlig air a labhairt is air a leughadh. Faodaidh na Gaidheil nach tuig a Bheurla a nis an bhi ann an cor co-ionnan ris a’ mhuinntir sin a’ tha comasach air paipeirean naigheachd beurla a leughadh, anns am faighear naigheachdan an t-saoghail air fad s’ air leud. Tha sinn an dochas gu bheil MAC-TALLA air uidheamachadh a mach fo dheadh stiuradh agus gu’m bi cuideachadh nan sgoilearan Gaidhlig, a’s fearr aig an tigh agus thairis aige. Tuigeamaid, ma ta, gu bheil am paipeir Gaidhlig so, air am faighear MAC-TALLA mar ainm’, gu bhi air a chuir a mach uair ’san t-seachdean ann am baile Shidni, agus cha teagamh idir leinn, nach faighear ’s a phaipeir mheasail so iomadh naigheachd, sgeul, agus eachdraidh, a bhios ro-fheumail d’a luchd leughaidh. Mile failte oirbh a’ h’uile latha, ma ta, ’s tha dochas againn gu bi soirbheachadh, deagh bheatha, agus saoghal fada agaibh. Cha’n eil a bheag de naidheachd ur no annasach agam ri innse sn diugh, agus air an aobh ar sin fheir mi mo litir bheag gu crich. Theagamh gu”n cluinn sibh uam a rithist. An latha a chi s’nach fhaic, is mise, le gach deagh ghuidhe, ur caraid dileas. A. B. C. Acarsaid Chloinn Fhionghain, C. B. UR-SGEUL BHO ABHUINN MHARGAREE. Fhuair mi a cheud aireamh do MHAC-TALLA. Chord aogasg ruim fior mhath. Bha roinn do dh’ioghnadh orm nach d’fhuair sibh, fhir-dheasachaidh, na bha dhith oirbh do dh’fhir-aontachaidh, ach cha’n eil teagamh agam nach faigh sibh cunntas mor re beagan uine. Tha spiorad nan Gael a dh’fhalbh beo fhathast an inntinn an oigridh, agus tha mi gle chinnteach gu’m brosnaich sgeul air MAC-TALLA suas an disleachd gu cainnt a sinnsreadh a chumail suas, agus gu’n cuidich iad an ionnsaidh ion-mholta so air gach seol a tha na’n comas. Tha ’n roinn as mo do’n tuath deas do’n chuirachd, agus tha ’n t-side gle fhabharach do’n bharr o chionn da sheachduinn. Bha reodhadh ann oichdch Di-sathuirne sa chaidh; ach se mo bharail nach d’rinn e mor chron. Tha na raointean sa choille air tuar a gheamhraidh a chur air chul, agus dreach aluinn a bhlaiths a ghlacadah. Tha ’m bearnan-bride a sgeadachoch gach maigh, agus tha sealladh briagha ri fhaicain air slios na h-aibhne gu leir. Tha mi gle chinnteach gu bheil na baird a mach sa mhoch-thra sa’n am so, ag eisdeachd le tlachd ri ceileiradh nan eum, ’s ag amharc le solas air gach maise ’tha sgaoilte mu’n cuairt. Ma ni iad duanag o am gu am, tha mi ’n earbsa nach di-chuimhnich iad an cuir gu MAC-TALLA. Chunnacas mathan air feadh na ceairn so o chionn uine ghoirid. Ged tha math na ainm, cha’n eil math na ghniomh. Mharbh e caoirich air duine na dha mu’n cuairt; ’s tha mi ’n duil gu’n d’fhuair e air falbh gun chlisgeadh a chuir na inntinn, no luaidhe na chalg. Le iomadh durachd mhath do MHAC-TALLA bidh mi sgur an drasda; ach cuiridh mi fios ugaibh fathast ’n uair a gheibh mi aocair. OCH-A-NISE. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. Tha so air a chumail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 17] [Vol. 1. No. 5. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 25, 1892. No. 5. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL, Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha Righ agus Ban-righ na h-Eadailt air chuairt anns a Ghearmailt. Rinn stoirm chlacha-meallain milleadh mor air fion-liosan anns a Fhraing an la roimhe. Bha Chuirt Mhor ann an Sidni air an t-seachdainn so. Bha fichead cas ri fheuchainn. Tha’n cruithneachd fo dheis ann am Manitoba ’s tha choltas air gu’m bi barr math ann am bliadhna. Mharbh Micheil Sim, ann a’ Halifax, dha dheug de chait fhiadhaich, agus aon mhathan, o chionn ghoirid. Thainig fear, Henry Horne, Halifax, ri bheatha fein o chionn seachdainn. Ghearr e cuisle ’na chois agus thraigh e gu bas. Chaidh da each a b’fhiach $10,000 am fear a mharbhadh leis an dealanach ann am Bloomington, Illinois, air an 17mh la. Air an t-seachdainn a chaidh, mharbhadh 16 duine le teas na griene, ann an New York, agus bha 19 duine tinn leis a bhric. Tha triuir tinn leis a bhric ann an tigh-eiridinn Halifax. Tha dithis dhiubh so gle iosal, ach tha’n treas fear a dol na’s fhearr. Fhuaradh Edward Greenwood, diolladair a mhuinntir Eilein Phrionns’ Iomhair air a bhathadh faisg air Boston air an 17mh la. Tha da long chogaidh ann an acarsaid Shidni air an t-seachdainn so, am Buzzard, long Bhreatunnach agus an Laperouse, long Fhrangach. Chaidh faisg air 14,000 tunna guail a chuir a mach a mein-ghuail Chow Bay air Di-sathairne s’a chaidh. Bha mhein sin na tamh latha no dha roimbe sin le cion soithichean a bheireadh air falbh an gual. Chaochail Iain Heder, duine dubh a bha 109 bhiadhna ’dh ’aois, aig Colchester Ontario, Disathairne sa chaidh. Rugadh e ann an Virginia ’sa bhiadhna 1783, agus thainig e gu Colchester o chionn leth cheud bliadhna. Tha cain $20 no 30 la priosain air neach sam bith a reiceas tombac ri gille nach eil sia bliadhna deug a dh’aois, gus gille sam bith aig am faighear tombaca, theid $5 de chain a chuir air, no gheibh e seachd latha priosain. Chaidh Grover Cleveland ainmeachadh leis na Democrats air son a bhi na Cheann-suidhe air na Staitean. Bi’dh an cath a nis eadar e fein agus Harrison. Bha Cleveland na Cheann-suidhe fad ceithir bliadhna roimhe. Cha’n eil Mr. Blaine na Runair na Staite (Secretary of State) ni’s fhaide. Tha e coltaah nach robh an ceann-suidhe, Harrison, a cuir gach ni ’na chead mar bu mhath leis. Ghabh e so ’san t-sroin cho mor ’s gu’n leig e dheth an ofig. Tha paipear naigheachd ann an Lunnain ag radh gu bheil bruidhinn air Feill mhor a bhi anns a bhaile sin air an ath bhliadhna. Ma bhios sin ann, cha bhi Feill an t-Saoghail ann an Chicago cho iomraiteach sa bha muinntir an duil. A reir coltais tha Edward Blake a dol a null a dh’ Eirinn, ’sa dol a dh’ fheuch ainn ri aite-suidhe fhaotainn ann am Parlamaid Bhreatuinn. Tha e deanamh so air dian irrrtas na pairtidh Eironnach. Tha Blake na dhuine tapaidh, ’s cha’n eil teagamh nach bi e feumail dhaibh ann a bhi tagradh air son Fein-riaghladh. Tha na h-Eirionnaich cho deigheil air an t-sabaid sa bha iad riamh. ’Nam bhi taghadh Ball Parlamaid bi’ dh an da phairtidh a gabhail da cheile le maidean ’s le clachan. Bha sabaid dhe’n t-seorsa sin aca an la roimhe anns an robh moran air an leon gu dona. B’fheudar do’n arm tigh’nn a chuir stad orra. Dh’fhagadh $2,000,000 mar dhileab aig b an ministeir anns na Staitean. Nuair a bha i na mighinn oig, fhuair i eolas air duin og beartach a bha gle thoileach a posadh, ach cha ghabhadh i gnothuch ris. Chaochail an duine sin o choim sia bliadhna, agus dh’fhag e airgiod uile aice, nam biodh i beo seachd bliadhna ’n deigh a bhais. Ma bhios i beo bliadhn’ eile gheibh i’n t-airgiod. [TD 18] [Vol. 1. No. 5. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 25, 1892. Tha sinn a cuir aireamhan dhe’n MHAC TALLA gu muinntir nach do chur an ainmean thugainn mar ghabhaltaichean fhathast. Tha sinn a deanamh so ’an dochas gu’n cord e riutha agus gu’n gluais e iad gus an ainmean agus an t-airgiod a chuir thugainn comhladh. Tha sinn cinnteach gn’n dean moran diubh sin luath no mall, agus’ chaoimhneadh iad moran dragh dhuinne; agus ma dh’ fhaoidte dhaibh fein na’n deanadh iad beagan cabhaig. Ann an ait eile gheibh ar leughadearan paipear a labhairt air “Fein-chumailteachd na Gailig.” Tha’m paipear so air a sgriohadh le aon de na sgoilearan Gailig a’s fhearr ann an Canada, agus is airidh e air a leaghadh uair no dha. Tha sinn an dochas nach caillear an leasan air a mhuinntir sin a tha cho diegheil air a bhi cleachdadh facail mhora, Bheurla, ’measg an cuid Gailig. Cha’n eil e idir na ni toilichte ’bhi ’g eisdeachd ri seanachas nach bi fhios agad co dhiu ’s Beurla no Gailig e, ach ’s tric sin ri chluinntinn anns an duthaich so. LITIR BHO “DHOMHULL ROB.” Piseach agus buaidh ort a MHIC-TALLA! ’S mor a solas a tha thu cinntinn dhomh air gach feasgar Di-mairt o’n thaobh thu na criochan-s’. Se thogas oirnn fonn ged Bhitheamaid trom, ’Us gnothaichean lom aig baile. ’S a dh’ fhagas ro ard ar ’n inntinn ’s ar ’n adh ’Nuair gheibh sinn Di-mairt MAC-TALLA. Tha mi leirsinn gu bheil beagan a talach air meud MAC-TALLA, ach tha e duilich dad a dhianamh gun chuid-eigin a bhi talach. Bheirinn sanais doibh-san, tha faighinn na coire, tighinn air adhart agus an guallainn a chuir ris a chuidhlidh, a cuimhnachadh gu bheil MAC-TALLA og agus oidhirpeach. Tha na Gaidheil mu chuairt an taobh so ro ard an cliu air, agus cha’n ioghnadh e. ’Se fir gun tuigse a tha deanamh di-meas air, ach their mi san deallachadh, “Biodh iadsan a bruidhinn ’s bidh na h-uibhean againne.” FEIN-CHUMAILTEACHD NA GAILIG. Cha-n ’eil feum aig a’ Ghailig air facail iasaid mar a ta aig a’ Bheurla, a tha air a cur ri cheile le facail iasaid bho gach canain air thalamh, bho’n Laidinn, bho’n Ghreigis, bho’n Ghailig, agus bho iomadh cainnt eile, Is furasda facail ura Ghailig a dheilbh bho fhriamhaichean an taobh a stigh de’n chanain fein; cha ruig i leas mar sin a bhi an eiseamail dol a dh’ iarraidh coinghill air canain sam bith. A mach bho’n Ghreigis agus bho’n Ghearmailis, chan ’eil canain air bith eile ri fhaotainn, anns am fasa facail ura dheilbh na a’ Ghailig, bho fhriamhaichean innte fhein. Chithear sin ma bheirear fainear na briathran a bha air an gnathachadh leis na seann Ghreugaich, nuair a thainig an coisgue air tus d’an ionnsuidh, agus nuair a’ b’eigin daibh facail ura dheilbh air son diamhaireachdan an t-soisgeil a chur an ceill; agus gu h-araid an diamhaireachd ma dheibhinn daonnachd an t-slanuigheir. Tha e furasda gu leor na briathran sin a chur ann an Gailig a bhitheas so-thuigsinn do-n a h uile neach aig am bheil eolas ceart air a’ chanain, agus d’an aithne a riaghailtean. Ghnathaich na Greugaich iomadh briathar, a mheas iad freagarrach, gu bhi a’ ciallachadh na diomhaireachd moire so, gun d’rinneadh Mac Dhe ’na dhuine. B’iad na briathran a chleachd iad mar bu trice iad so, Sarcosis, Ensarcosis, se sin ann an Gailig, Feoil-ghabhail, no Feoilneachadh, ris an abrar Incarnation sa’ Bheurla, bho’n Laidinn Incarnatio do reir briathran Eoin I. 14 “Rinneadh am Focal ’na fheoil.” A ris chleachd iad facail eile mar a tha Enanthropesis, ann an Gailig Daonnachd, nuair a runaich e “an Nadur Daonna sin a dheanamh aon ris fein.” Cha’n eile focal sam bith sa Bheurla no san Laidinn, a co-fhreagairt do’n bhriathar so. Oir ged a tha an t-ollamh Eoin Owen ag eadar theangachadh an fhacail so sa’ Bheurla Inhumanation bho’n Laidinn Inhumanatio, cha’n eil am facal aon chuid ann am Beurla no an Laidinn ri fhaotainn. Agus chleachd iad am facal Ensomatosis, se sin an Gailig Corp-ghalbhail’, Corpnachadh, no coluinneachadh. Cha’n eil facal idir sa’ Bheurla a fhreagras da so. Ghnathaich iad cuideachd na facail so; Eleusis Tighinn no teachd; Kenosis Falmhachadh. Epiphancia Christou, Taisbeanadh chriosd. Fanerosis dia Anthropotetos, Foillseachadh tre’n Daonnachd. Fanerosis en Sarki, Foillseachadh san fheoil. Sungcatabasis, Coimhisleachadh. Hamila dia Sarcos, Caithe-beatha tre’n fheoil. Despotike Epidemia, Eilthireachd no Taisdealachd an Tighearna. Parousia, Lathaireachd. Oikonomia Rian, no rianachadh, agus an leithid sin. A nis cha-n ’eil aon diubh nach gabh cur an Gailig freagarrach ris a’ Ghreigis, agus ris an ni a ta air a chiallachadh; agus a bhitheas iomchiudh; agus so-thuigsinn do-n a h-uile neach aig am bheil Gailig. Chi sinn mar so cho fein-chumailteach ’s a tha a’ Ghailig, cho pailt-bhriathrach, luthainn, subailte ’sa tha i, agus cho furasda ’s a tha e briathran ura freagarrach a dheilbh innte do reir ciall agu gne na Canain. D. B. B. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C, B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so, Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an-so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. TIGH ACADIA. [TD 19] [Vol. 1. No. 5. p. 3] FUINEADAIR NA NANACHAINN. Aig am Blar Chuil-Fhodair bha bantrach anns a’ Mhanachainn aig an robh aon mhac d’ am b’ ainm Domhnall Friseal. Chaidh e comhladh ris na Frisealaich eile do ’n bhlar. Chaidh an ruaig air na reubalaich, agus theich Domhnall as cho luath agus a bheireadh a chasan e dhachaidh an Mhanachainn. Bha a mhathair bhochd toilichte fhaicinn air ais rithist, gun mhaille, gun leon, gun lochd, slan fallain, bochd, truagh, acrach, agus sgith mar a bha e. Bha eagal a bheatha air tamh oidhche a ghabhail am bodhan a mhathar a thaobh gun robh an t-arm dearg air toir luchd-cabhair a’ Phrionns, ged is ann leis a’ chrois-tara no toirre a chaidh a’ chuid is mo dhe na Frisealaich iomain gu feachd oighre Mhorair Sim dhe ’n deach an ceann a thoirt. Bha e mar so na fhogarrach fad thri bliadhna thall agus a bhos a’ gabhail comhnuidh anns na cnuic, na sluic, garbhlach, coille, creag agus uamh a gheobhadh e eadear Loch-nam-bonnach agus Loch-nan-ian am braigh na Manachainn. La dhe na laithean, aig ceann nan tri bliadhna, ars’ esan ri mhathair, “A bhean, tha mi sgith dhe mo bheatha, tha sinn a nis bochd agus lom, gun bhiadh, gun aodach. A dh-aindeoin na dh’ fhaodas tighinn orm theid mi dh’ fhiachainn am faigh mi ’cosnadh.” Chan fhalbh thu,” ars’ ise, “gus am faigh thu bonnach, agus beannachd do mhathar.” Rinn i bonnach-Bealltainn da air chinn na maidne, agus thog e air le bonnach agus beannachd a mhathar, agus thug e Inbhir-Nis air. Ach cha d’ fhuair e cosnadh no cosnadh anns a’ bhaile sin. An sin thug e baile Inbhir-Narunn air agus fhuair e cosnadh an sin. Ghabh e cairtealan ann an tigh seann duine aig an robh aon leanabh nighinn. Togadar air Domhnall agus shin e air suirigh air an nighinn, agus phos e i. Ach oidhche na bainnse ge b’ e ciod a thainig a stigh air inntinn Dhomhnaill dh’ eirich e as a leaba, chuir e air aodach agus dh’ fhag e an sud i. Ghabh e air aghaidh gus an d’ rainig e baile Che far an d’ fhiach e ri obair fhaighinn ach cha d’fhuair. Chaidh e ris gu baile Hundaidh, ach dh’ fhairtlich air obair fhaighinn an sin. Ma dheireadh theab e bas an acrais fhaighinn, oir mir no deur cha d’ fhuair mo laoch bho’n dh’ fhag e Inbhir-Narunn. Cha robh air no dheth ach gum b’ fheudar dha dol a shireadh na deirce. Chaidh e stigh do bhuth fuineadair agus thuirt e “An ainm Dhe thugaibh dhomh greim bidh, oir tha mi a faighinn bas an acrais.” “Mir no deur chan fhaigh thu uamsa, a bheathaich ghrainde,” ars’ am fuineadair; “na’m bithinn a’ toirt do na h-uile fear dhe do leithidse tha tighinn an rathad cha mhor a bhiodh agam dhomh fhein.” “O,” arsa Domhnall bochd, “na leigibh dhomh bas an acrais fhaighinn; thoiribh biadh dhomh agus ni mi rud sam bith a dh’iarras sibh orm” “Ciod e,” ars’ am fuineadair ris, “is urrainn duit a dheanamh.” “Is urrainn,” arsa Domhnall, “domh cosnadh a dheanamh.” ’“Ach,” ars’ am fuineadair, “chan ’eil feum cosnaich orm, agus chan urrainn duit fuineadaireachd a dheanamh.” “Ach nach gabhadh ionnsachduinn orm,” arsa Domhnall. “Ghabhadh, gun teagamh,” ars’ am fuineadair, ach gabhaidh tu seachd bliadhna ga h-ionnsachainn.” Thoir dhomh biadh,” arsa Domhnall ris “agus ’sa mhaduinn is mise do ghille.” Riaraich e seachd bliadhna do ’n fhuineadair, agus aig ceann nan seachd bliadhna ars’ am fumeadair ri Domhnall: “Tha mi ro bhuidheach ort. Riaraich thu do thim gu h-onarach, ’s an diu chan ’eil fios agam c’ ait am beil fear ceaird nas fhearr na thu. Ach ’s ann nach ’eil fios agam ciod a ni mi as t’ easbhuidh. Ma thamhas tu agam airson seach bliadhna eile, bheir mi dhuit leithid so a dhuais [agus e cur ainm air] airson nan seachd bliadhna a dh’ fhalbh agus an t-aon tuarasdal airson nan seachd bliadhna tha ri thighinn? Anns a’ mhadainn deir Domhnall, “Is mise do ghille.” Riaraich e seachd bliadhna eile do ’n fhuineadair, agus chaidh na fir troimh ’n t-aon chainnt ’s a bha eatorra aig ceann a chiad seachd bliadhna, ach gun deach da uiread a ghealltainn dha airson an treas seachd bliadhna ’s a bha aig ri fhaighinn airson nan ceithir bliadhna diag a dh’ fhalbh. Chord iad mar a b’ abhaist, agus riaraich Domhnall coir bliadhna ar fhichead do ’n fhuineadair. Aig crioch an am so ars’ am fuineadair ri Domhnall “Chuir thu nis ceann finid air na tri seachd bliadhna, agus ma riaraicheas tu seachd bliadhna na eile dhomh, bheir mi uiread dhuit airson nan seachd bliadna tha ri thighinn ’s a tha agad ri fhaighinn airson a bhliadhna ar fhichead a dh’ fhalbh.” “Is mi nach tamh airson aon bhliadhna eile,” arsa Domhnall “Theid mi dhachaidh a choimhead mo mhnatha.” “Do mhnatha!” ars’ am fuineadair. “Am beil bean agadsa? Is iongantach an duine thu. Tha thu an so nis bliadhna ar fhichead ’s cha chualas riamh gun robh bean agad. Ach nis co dhiu ’s fhearr leat na tri tuarasdalan na tri comhairlean.” “O,” deir Domhnall, “mus b’urrainn dhomh a’ cheist sin fhreagairt, dh’fheummainn comhairle iarraidh o urra nas glice na mi fhein. Ach innsidh mi dhuit air chinn na maidne.” (Ri Leantuinn.) Bha coinneamh mhor aig muinntir Ulster an Ceanna-tuath Eirinn, air an 17mh la. Bha miltean a lathair, agus thog iad an guth gu laidir an aghaidh Feinn Riaghladh a thoirt do Eirinn. Tha na paipearan Sassunnach ag radh nach robh a leithid de chruinneachadh ann am Breatainn o chionn iomadh bliadhna. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C.B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO— C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 20] [Vol. 1. No. 5. p. 4] FACAL BHO “SHEORAS.” A Charaide: Thanig am paipeir Gaelig—MAC-TALLA—gam iunnsaidh an de, agus rinn mi mor thoileacheadh ris gun teagamh. Tha e gu dearbh na ni taitneach, paiper a bhi againn an cainnt ar sinnsir, na daoine foghainteach, fulangach, treun sin a dh’araicheadh fo sgeith nam beann, ann an “tir nan gleann, sna ’m beann, ’s nan gaisgeach.” Tha iomadh reusan againn air uail a bhi again as ar sinnsir; agus cha ne ’m fear is lugha dhiu an cuimhneachan a th’againn air cho dileas agus cho neo-cheachara sa bha iad. Air son so a dhearbhadh, foghnaidh dhuinn meoireachadh air mar sheol iad ad fhein mar dhaoine nuair a bha Prionns Tearlach na fhogarach sna garobh-chriachan agus £30,000 do dh’airgead cinn a mach air a shon, ach cha d’fhuaireadh duine riabh a measg nan Gael a bi rith e, geda bha fios ro mhath aca far an robh e ’m falach. Agus cia mar is urrainn dhuinn an cumail nar cuimhne na’s fhearr na le ’n cainnt a chumail a’n cleachdadh. Ach mu’n phaipeir. Tha e beag gun teagamh, ach chaneil air ach smachd na h-oige; agus tha phris beag air an reir. Tha iad adrath nuair bha MacAscail am famhair a bhana an St. Anns—na leanabh gu rodh e comharaichte beag. Ach dh’fhas e mor a rithisd. Air an t’seol chiadna, ma gheibh MAC-TALLA ’leor do theachd-an-tir, agus a chumail glan, sgiobalta, cha’n eil teagamh nach fas esan mor, cuideachd. Thughamh, ma ta, mar a theireadh fear roimhe “uinnleag” dha air adhart. Ach feumaidh mi tigh’nn gu crich, mu’n toir mi mach moran rum. Dh’fhaoidte gu’n cluinn sibh’ bhuam fhathast. ’Nr Caraide, SEORAS. 14mh Iun, 1892. GUTH A’ ST. ANN’S. Tha ’n treas aireamh de MHAC-TALLA air tighinn d’ar n’ ionnsaidh air an t-sheachdainn so agus tha sinn gle thoilichte air a bhi ’ga fhaotainn, gu dearbh. Tha na h-uile ni air a chuir sios ann anabarrach doigheil, ’us tha mi an duil nach urrainn neach sam bith a bhi faighinn coire dha. Cha ’n ’eil teagamh nach eil cuid ann cho aineolach us gum bi iad a gearan air cho beag ’s a tha e. Ach cha bu choir do dhuine sam bith a bhi cho mi-thuisgeach ’s gu’n iarradh e am paipeir so a bhi dad na’s mo na tha e airson leth dolair. Cha’n eil aon neach anns am beil spiorad an fhior Ghaidheil ’us a leughas Gaelig nach bi tlachd aige ’m paipeir so a bhi tighinn ’ga ionnsaidh uair ’s an t-sheachdainn, air cho beag ’s ga ’m beil e. Sann is coir da na h-uile bhi gu fiallaidh a cuideachadh leis ’us ma ni iad sin cha ’n ’eil teagamh nach ann a fas mor a bhitheas e. ’Se so inntinn gach Gaidheal ceart, mur eil umaidh an sid ’san so dha nach aithne na’s fhearr. Tha e gle mhisneachail leam bhi cluinntinn nan daoine ’s tuigsich a moladh an dichill ta air a dheanamh ann a bhi clo-bhualadh MHIC TALLA. Tha e taitneach leam cuidachd, a bhi toirt fanear gu’m beil a chuid as mo gle inntinneach air bhi cuidachadh leis. A mhuinntir nach dean sin, cha mhor a’s fhiach iad. DONN DEILAS. St. Ann’s, Iun 17mh. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san dathaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 21] [Vol. 1. No. 6. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 2, 1892. No. 6. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. FAICIBH SO. Tha MAC-TALLA ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas: Sidni, Iain A. MacCoinnich. Sidni Tuath, Wilson & Co. Pictou, Seumas Mac ’Illeain. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha fios a Ruisia ag radh nach eil am barr gu bhi faisg cho math ’s a bha choltas air mu thoiseach a t-samhraidh. Tha so gle bhochd do’n duthaich sin an deigh gorta na bliadna ’n uiridh. ’Nuair a bha Gladstone air an rathad gu Chester, air an t-seachduinn so chaidh, thilg boirionnach pios de dh ’aran-dinnseir air, agus ghoirtich i ’shuil gu dona. B’fheudar dha bhi duinte ann an rum dorcha fad dha no tri de lathaichean. Tha Parlamaid Chanada ri sgaoileadh mu dheireadh na h-ath sheachdainn. Tha $3,200 am mile air a ghealltainn mar chuideachadh do Rathad-Iaruinn eadar Sidni agus Louisburg, agus mar an ceudna eadar Orangedale ’us Broad Cove. Chaidh seann duine, da’m ainm Donnachadh Grannd a bhathadh aig an Eillean Mhor an la roimhe. Bha e fein agus mac brathair dha a muigh ag iasgach agus chaidh am bata thairis. Fhuair an duin’ og air eigin gu tir, ach bhathadh an seann duine. Bha e mu thri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, ’s na dhuine coir, onorach, an air robh meas aig na h-uile. Thug sinn iomradh uair no dha air Iain Kennedy a chaidh air chall ann an Glace Bay, o chionn corr ’us mios. Chunnacas e mu dheireadh comhla ri dithis sheoladearan bhar soitheach-smuid a bha ’san acarsaid. Cha d’ fhuaras sgeul air tuilleadh gus an d’fhuaireadh a chorp a snamh air an uisge, Di-sathairne ’n 25 la de Iun. Thug dithis iasgaran an aire dha agus thug iad fios do ’n luchd-dreuchd agus ghabh iad sin curam dheth. Rannsaich na dotairean e agus a reir gach coltais bha’n duine bochd air a mharbhadh mu’n deachaidh e do’n uisge. Ma bha duine na urraidh ri ’mharbhadh cha’n eil fhios co e, ach ’s coir a rannsachadh a mach ’sa pheanasachadh. Tha Mr. Blake a nis air a thurus gu Eirinn. Tha ’roghainn de dha aite suidhe aige ’sa pharlamaid Bhreatunnach. Cha’n eil teagamh sam bith nach bi e ’na neart mor do na h-Eirionnaich. Tha 112 tigh oil ann am baile Halifax. Tha cead laghail aig gach aon dhiubh sin deoch laidir a reic. Cia meud tha ga reic gun chead idir? Ged nach eil cead laghail aig aon neach ann an Sidni tha gu leòr a gabhail a chead nan laimh fhein ’s cha’n eile duine cuir dragh orra. De fhads a leanas a chuis mar so? O chionn corr ’us mios chaidh teine chuir ri factoridh chaise air an Abhainn Mheadhonaich. Fhuaradh a mach uaithe sin gu’m be’e gill’ og, coig bliadhna deug a dh’ aois, a rinn an droch ghniomh so, agus gu’n d’fhuair e fichead dolair o neach eigin air son a dheanamh. B’fhiach an tigh ’s na bha ann $1,200. Tha paipeir a Pictou ag radh gu bheil muinntir Abhainn Eoin a faighinn spors mor air mathan, neo gu bheil am mathan a faighinn spors orrasan. Bha ’m beothach sin, mar is nadarach dha, a marbhadh chaorach, agus an la roimhe, thug e roid an deigh duine. Dhirich an duine ’m barr craoibhe ach rug am mathan air chois air, agus rinn e droch sgrobadh oirre. Tha’n tiomnadh a rinn an t-Onorach Alasdir Mac Coinnich a nochdadh gu ’m fhiach a chuid do’n t-saoghal $58,000. Dh’fhag e ’n darna leth dhe so aig a nighinn, Mrs. Thompson, ann an Sarnia Ont. Tha’n leth eile air fhagail a bhantraich fhads is beo i, agus an deigh a bais, tha e ri thoirt do’n eaglais Bhaisteach airson cumail suas seann mhinisteiran. Tha pairtidh ann an Alba tha ’g iarraidh Fein-Riaghladh a thoirt, cha’n ann do Eirinn leatha fein, ach do Alba cuideachd. Chuir a phairtidh so ceisdean araidh air Gladstone a thaobh de dheanadh e air son sin a thoirt ma’n cuairt, ach cha do fhreagair e iad cho direach ’s bu mhath leo. Air an aobhar sin, chuir iad fios da ionnsaidh, an la roimhe, nach toireadh iad cuideachadh sam bith dha aig am taghaidh Bhall a tha nis a tighinn faisg air laimh. [TD 22] [Vol. 1. No. 6. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air madainn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 2, 1892. ’Se’n aon ni tha cuir dragh air luchd-riaghlaidh Bhreatainn an drasd—Eirinn: an toirear Fein-Riaghladh dhi, no nach toir? Tha’n da phairtidh gle fhada ’n aghaidh a cheil air a phuing so, Nuair a ni Gladstone oraid their e gur coir Fein Riaghladh a thoirt do’n duthaich sin air gach aon chor. Ni e mach gu robh Eirinn air a droch righladh riamh bho’n ghabh Sassuinn coir oirre ’sa bhliadhna 1172, ’s gu bheil an t-am ceartas a thoirt di. Nuair a theid Salisbury a labhairt air a chuis, their e nach eil Eirinn air a riaghladh dad na’s miosa na tha Alba ’s Sassuinn, ’s gu bheil i faotainn gach ceartas is coir dhi fhaotainn. Their e, mar an ceudna, nach aithne do na h-Eirionnaich iad fein a riaghladh ged gheibheadh iad an cothrom; daoine sam bith a bhois a gabhail da cheile le clachan ’s le bataichean aig a h-uile coinneamh a bhios aca. Tha Gladstone agus Salisbury nan daoine glice tapaidh, gach fear dhiubh lan chomasach air Stiuir na Staite ghabhail ’na laimh, ’s cha’n eil e soirbh dhuinne, air an taobh so de’n Atlantic, a radh co aca tha ceart. Bheir sluagh Bhreatuinn breith orra ’n uine ghearr ’s cha dian sinne dad is fhearr na bhi ’nar tamh gus an cluinn sinn de bhreith a bheir iad. Gheibhear deireadh gach sgeoil a nasgaidh. Air a cheud latha dhe’n mhios so, bha Canada coig bliadhna fichead a dh’ aois. Roimh ’n bhliadhna 1867 cha robh Canada mar ainm ach air a chuid sin ris an abrar an diugh Ontario agus Quebec. Thainig Canada air adhart gu h-anabarrach ’sna bliadhnaichean a chaidh seachad, agus cha’n ann ullamh dhe sin a tha i; cha’n urrainn dhi gun leantuinn air fas mor agus measail, ma bhios a sluagh cho dileas dhi s bu choir dhaibh. Ma tha duthaich fo’n ghrein anns am faod neach a bhi saor, tearuinte, gun dith ’s gun deireas, ’si ’n duthaich sin Canada. Cha’n eil Canada, mar tha iomadh duthaich, air a riaghladh le Impaire, no le uaislean, no le comh-bhannan eucoireach, ach leis an t sluagh. Ma tha i air a droch riaghladh tha’n sluagh ri ’n coireachadh, ’s ma tha i air a riaghladh gu math, tha iad ri’m moladh. ’S coir dhuinn uile bhi dileas d’ar duthaich, agus feuchainn ri gach ni tha cearr a a cheartachadh, agus gach ni tha ceart a dhaighneachadh. LITIR A “EILLEAN A PHRIUNNSA.” Fhuair mi MAC-TALLA leis a phosta mu dheireadh ’s gu firinneach tha mi gle riaraichte leis. Tha Gaidheil Chanada ’nad chomain air son do dhilseachd do ’n chainnt mhath a fhuair sinn og o ar mathraichean. Tha mi ’n dochas gu’n nochd iad an duinealas le bhi gabhail a’ MHAC-TALLA ’sa dioladh air a shon. Thug thu fein iomradh air dilseachd nam Frangach ’s nan Gearmailteach da’n canainean fein. Faic, mar an ceudna na Uelshich, a tha nan comh-oghaichean dhuinn, oir ’se meur de’n Ghailig a tha iad a labhairt. Cha’n eil gainne air paipeiran acasan ’nan cainnt fhein ged nach eil an duthaich aca cho farsuinn ri Gaidhealtachd na h-Alba. Cha’n e mhain sin, ach ann an America tha cho math ri dusan paipeir Uelshach a tighinn a mach gach seachdainn. Nach nar ’s nach maslach nach b’ urrainn dhuinne riamh aon phaipeir Gailig a chumail suas, aon chuid aig an tigh no ’an duthaich chein. Ach tha atharachadh a tighinn air cuisean a nis. Tha mhuinntir a dol an lionmhoireachd a tha cuir luach air Gailig; ’s mar sin fhir-dheasachaidh choir, cum air d’ aghart. Tha cairdean air do chul gu cuideachadh a thoirt duit. Gu ma fada beo thu, ’Us ceo as do thigh, ’Sa h-uile fear a chi e A sior dhol a stigh— ’sa toirt seachad ainm gu bhi (mar a theireadh Dr. Blair) na ghabhaltiche aig MAC-TALLA. So agad dolar bhuam fein ’s bho mo charaid, M. M. L., sar Ghaidheal leis am math a Ghailig a bhi togail a cinn. Tha mi ’m beachd, ’nuair a chluinneas Gaidheil Eillean a Phriunnsa gu bheil a leithid ann, gu’n cuir iad cuireadh cairdeil gu MAC-TALLA e bhi tigh’nn air cheilidh orra. Bhur Caraid, C. C. Eillean a Phriunnsa, Iun 22, 1892. Feuch nach di-chuimhnich thu gur h-e MAC-TALLA ’n aon phaipeir Gaelig a tha ri fhaotainn ’an Canada. Uime sin gabh an cothrom agus cuir air adhart do leth-dolar, air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA. Theid sinn fein an urras nach bi aithreachas ort. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Broscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uile Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. TIGH ACADIA. [TD 23] [Vol. 1. No. 6. p. 3] FUINEADAIR NA MANACHAINN. Thainig Domhnall a nuas gu moch ’sa mhadainn mar a gheall e. “Ciod nis,” dh’ iarr an fuineadair dheth, “a tha thu dol a ghabhail, na tri tuarasdalan no na tri comhairlean?” “Tha,” arsa Domhnall, “na tri comhairlean.” “Mata,” ars’ am fuineadair, “is e a’ chiad chomhairle, Cum an comhnuidh ’n rathad fada direach; an darna comhairle, Na tamh oidhche air chairtealan ann an tigh anns am bi bean og bhriagh aig ’m bheil seana bhodach dreamach; agus an treas compairle, Na tog do lamh gu brath gu duine sam bith a bhualadh, gus an smuainich thu ort fhein tri uairean. Agus so agad airgiod bheir dachaidh thu, agus tri builionnan arain; agus cuimhnich nach coimhead thu riu gus ’n toir thu o cheile iad gu ’m briseadh air gluin do mhnatha dh’fhiachainn an dean iad sibh eadaraibh, oir le cho fada ’s a tha thu air falbh chan ’eil fios am beo no marbh i no ciamar a ghabhas i riut. Thog Domhnall air airson baile Inbhir-Narunn, ’s bha e gu bhi a chiad oidhche am baile Che ’s an ath-oidhche aig a dhachaidh. Air an rathad mhor eadar Hhudaidh agus Ce, bheir e air ceannaich paca a chuir failte air agus a dh’ fhoighnichd ris c’ait an robh e dol. Dh’ innis Domhnall dha gun robh gu Ce. Thubhairt an ceannaich paca gun robh e ro thoilichte thaobh ’s gun robh e fein dol an sin mar an ceudna ’s gun deanadh an cnacas bhiodh eatorra an uine air an rathad mhor nas taitniche. Ghabh iad rompa gus an d’ rainig iad gu coille. “Tha,” ars’ an ceannaich paca, “frith-rathadan troimh ’n choille so a bheir sin tri mile nas aithghiorra gu Ce na ’n rathad mor.” “Gabh e, mata,” arsa Domhnall. “Is daor a phaidh mi airson na chomhairle. Cumaidh mise ’n rathad mor.” Ghabh an ceannaich paca rathad na coille ach cha deach e gle fhada steach oirre nuair a chual Domhnall glaodh. “Murt! Murt! Chaidh e steach na choill thoirt furtachd do’n cheannaich paca bha ’n deigh a bhi air spuilleadh le dithis fhear creachaidh. Thainig iad mach as a choile le cheile. “Tha thu faicinn nis math na comhairle.” arsa Domhnall. “Tha thusa air do chreadhadh. ’S math dhuit nach ’eile thu air do mhuirt, air chul an eis tha air air a chur oirnn. Cha bhi sinn am baile Che an nochd.” Rainig iad tigh tuathanaich aig taobh an rathaid mhor, ’s taobh ’s gun robh e anmoch ’s iad treis o Che chaidh iad steach a dh’fhiachainn am faigheadh iad cairtealan. Chaidh sin a thoirt dhoibh agus fhuair iad baigheach geanail cuideachd ’n tighe nan suidh aig teine mor far’n d’fhuair iad deagh gharadh ’s biadh gu gu leoir. Chunnaic Domhnall bean an tuathanaich, te og bhriagh, ghreannar. Ach co thaing na deigh ach seana bhodach liath streamach, greannach. Agus nuair a thanig arsa Domhnall ris a cheannaich paca, “Cha thamh mise an so nas faide. ’S daor a phaidh mi airson na comhairle.” “’cinnteach nach gabh thu ’n rathad mor mu’n trath-sa dh’oidche,” ars’ an ceannaich paca. Mur tamh thu ’san tigh nach fhaod thu cadal ’san t-sabhal?” Dh’aontaich Domhnall ri so, ’s char e laighe ’san t-sabhal le aodach air; muillean fodair airson cluasag fodh cheann, muillean fodha agus air a dha thaobh, agus muillean air uachdar, gun bhi ris dheth ach gann na bheireadh anail dha. Cha do chaidil e ceart nuair thainig dithis a steach far ’n robh e, ’s shuidh iad air. Ana-cothromach mar a bha e bha feagal a bheatha air facal a chantainn, ach le siosair bha na phocaid ghearr e iomail cota an fhir bha suidheadh faisg air a cheann ’s bha dol a steach na shuilean ’s na bhial, ’s chuir e a’ bhideag na phocaid shioscot. B’ e fear agus te a bha ann ’s shin iad air ’n t-suirigh gu cruaidh. Mu dheireadh thubhairt an te, “Is bochd nach robh ’m bodach grand sin marbh. Nan cuireadh tusa an reusair air amhach chuirinn fhein tromh sgornan e.” ’S ann mar so a bha. Agus nuair thainig Domhnall mach ’sa mhaduinn ’s ann bha ’n ceannaich paca aig na h-earraidean, agus a lamhan air an glasadh, ga thoirt gu Obaireadhan, airson murt an tuathanaich. ’Sa mhaduinn fhuaireadh an tuathanach marbh agus a sgornan gearrta. Lean Domhnall iad gu Obaireadhan; chaidh an ceannaich paca chur air bialaobh nam Morairean; chaidh dhiteadh, is chuir am Morair a’ churrac dhubh air gu binn crochaidh a thoirt a mach. Aig an am so co dh’eirich ’sa chuirt ach Domhnall, agus der e, “A Mhorair, ma ’s e bhur toil, am beil e ceadaichte do neach sam bith nach deach a thuarruing mar fhainuis labhairt ’s chuirt so?” “Ciod tha agad ri chantuinn?” dh’fheoirich am Morair dheth. Dh’innis Domhnall dha mar thachair ’san t-sabhal, ’s dh’iarr e gun d’rachadh an duine bha suirigh air a bhantraich og, bean an tuathanaich, a thuruig gu Cuirt, agus nach e an ceannaich paca bha gu dearbh cionntach, agus a thoirt leo do’n Chuirt ’san eididh bha air air la a’ mhuirt, ’s gun toireadh e dearbhachd dhoibh gur e fear a’ mhuirt an duine. Chaidh am fear so a tharruing ’s nuair bha e ’san tigh Chuirt air bialaobh a’ Mhoair, dh’fhoighnichd Domhnall an robh tailleir ’san tigh Chuirt. “Tha” arsa fear agus e’g eirigh ma choinne. “Fiach” ars’ e ris an tailleir, “am beil criomaig air a ghearradh a iomal a’ chota. “Tha,” ars an tailleir. Thug Domhnall a’ bhideag a ghearr e o iomal a’ chota a pocaid a shioscot, ’s thug e i do’n tailleir, ag iarraidh air fiachainn am freagradh i ’san easbhuidh. “Freagraidh, ’s e an dearbh chriomaig chaidh ghearradh as a tha ann.” “Dh’innis Domhnall a rithist mar a thachair. Agus char am fear agus an te a chrochadh airson a (Faic taobh 4.) BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO— C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 24] [Vol. 1. No. 6. p. 4] mhuirt so ann an baile Obaireadhan. Thog Domhnall air a rithst airson baile Inbhir-Narunn, gus am faiceadh e bhean, ach mus an d’fhag e am baile cheannaich e dag, ’s fudair, ’s luaidh, “Gun fhios,” ars e, “coid an t-olc a dh’ fhaodas tachairt orm mus ruig mi ceann m’ uidhe.” Rainig an duine math Inbhir-Narunn fa dheoidh. B’e an oidhche bha ann. Ach is math a rinn e a mach tigh bean a’ ghaoil. D’fhosgail e ’n dorus muigh ’s chaidh e steach. Dh’aithnich e guth a mhnatha, agus i fein agus fear eile trod. Lion e’n dag gus am fear a thilgeil. Ach an so chuimhnich e air an treas chomhairle. “Na buail neach ’s am bith gus an cuimhnich thu ortfhein tri uairean.” Nuair a stad am fear dhe’n trod shin a bhean is thubhairt i: “Thusa, bhradaidh, chan ’eil agam ach thu fhein agus ’s beag toileachduinn bha agam riamh dhiot, na dheth ’t athair romhad. Dh’fhag e mi oidhche a’ phosaidh ’s chan ’eil fhios am beo no marbh e. Ach dh’fhag e thus’ na dheigh na d’ eallach dh’am bheatha.” Nuair chual e so bha e toilichte nach do thilg e mhac, ’s char e steach far an robh iad, ’s thug e na builionnan arain bhan dhe dhruim ’s bhrist e air gluin a mhnatha iad. As a’ chiad bhuilionn thainig a mach tuasrasdal a chiad seachd bliadhna; as an dara builionn tuarasdal an dara seachd bliadhna; as an treas builionn tuarasdal an tres seachd bliadhna. An deigh so bha iad beo fada an cuideachd a cheile ’s cho sona ’s b’urrain do mhuinntir iarraidh. —Celtic Magazine. BONIPART ’SAM PIOBAIRE. Nuair a bha Napoleon Bonipart a cogadh ri Breatuinn, bha deigh mhor aig air greim fhaighinn air piobaire Gaidhealach. Cha robh so cho furasda ’sa bha e ’n duil; bha na piobairean a cumail as a rathad cho math sa b’ urrainn daibh, ’s cha robh e faighinn greim air aon dhiubh beo. Dh’fhaoidte gu’n tachradh fear marbh air corra uair ach cha b’ e sin a bha dhith air. Mu dheireadh thall rug e air fear a chaidh a leonadh ’sa bhlar. Thug e deagh aire dha air dhoigh s gu’n robh e air a leigheas an uine ghoirid. Nuair a bha e cho math ’s a bhitheadh e, thug Napolean air, aon latha cluich air a phiob dha. Rinn an Gaidheal so, agus chluich a puirt mearsaidh, dannsa, agus iomadh port eile. Nuair a sguir e, dh’ iarr Napoleon air port ratreud a chluich. Anns a mhionaid thuirt am piobaire nach b’ urrainn da; nach d’ ionnsaich e riamh ratreud a chluich; cha robh e ’na chleachdadh aig muinntir a dhuthcha-san a bhi gabhail an ratreud, ’s mar sin cha robh feum ac air port dhe’n t-seorsa sin idir. Chaidh nighean og da’m b’ ainm Gussie Bennet as a rian aig Sandy Cove, N. S., le eagal a ghabh i roimh stoirm thairneanach a bh’ ann air an t-seachdainn a chaidh. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 25] [Vol. 1. No. 7. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 9, 1892. No. 7. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR Reic W. E. Peters ri F, Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chaidh I. E. Stiubhart, tuathanach ann an Ontario, a mharbhadh le mucan, aig a shabhal fein, agus mu’n d’fhuaradh na beisdan a chuir air falbh, dh’ith iad piart de. Chaidh ochdnar dhaoine ’mharbhadh ann an stoirm thairneanach ann an New Jersey an la mu dheireadh dhe’n mhios s’a chaidh. Chaidh aon duine mharbhann am Philadelphia. Anns na sia miosan a chaidh seachad, thog coig ciad tuathanach, a Dakota ’s a Minnesota, fearann ann am Manitoba. Thug iad so do’n duthaich, eadar crodh us caoraich, coig ceud deug ceann. Air an treas latha dhe’n mhios so. Chaidh soitheach seolaidh da’m b’ainm “Theresa” thairis, mu choig mile fichead a niar air Halifacs, agus chailleadh gach duine bha air bord ach an caiptean. Bha uisg trom ann an Quebec air an t-seachdamh so a rinn milleadh mor air barr. B’fheudar do chuid de na tuathanaich am fearann a threabhadh air ais agus siol a chur ann, an darna h-uair. Fhuaradh Seumas Ring, duine’ mhuinntir Nobha Scotia, a basachadh anns a choille faisg air Providence, R. I., Di-Luain s’a chaidh, agus dh’eug e anns an tigheiridinn an ath latha. Tha e air a dheanamh a mach gu’n chuir e as da fein leis an ol. Fhuaireadh duine agus bean marbh ann an tigh ann am Baltimore air an t-seachdainn s’a chaidh. Bha sia botuil de phuinnsean air a bhord ann sa rum, agus bha na dotairean ag radh gu’n dh’ol iad na mharbhadh da dhuine dheug. Tha e air a radh gur e cho bochd sa bha iad a thug orra tigh’nn ri ’m beatha. Chaidh duin’ og ann an Walla Walla, Washington, a dheanamh spors mor dha fein le eagal a chur air dithis nighean a bha dol troimh phios coille. Chuir e uime bian buffalo agus chaidh e mach, mar a shaoil leis, an riochd mathain. Cha robh na h-igheanan cho gealtach ’s a bha e ’n duil. Ghabh iad dha le clachan ’s le maidean gus ’n do chuir iad a dhonnalaich e. Bha e air a dhochann cho dona’s gur gann a shlaod se e fein dhachaidh. Tha Paramaid Chanada ri sgaoileadh an diugh. Cha’n eil teagamh nach d’rinn iad obair mhath fhads a bha iad cruinn, ach ma rinn, ghabh iad uine gu leor dha. Bha bruidhinn na’m measg, o chionn ghoirid, air an tuarasdal fein a thogail bho mhile dolair sa bhliadhna, gu coig ceud deug dolair, ach cha deach iad air adhart leis. Chaidh duine dubh, d’m ainm William Longford, bhathadh aig Weymouth, N. S. Bha e fein ’us gille beag a muigh ag iasgach. Thainig oiteag ghoithe orra agus chaidh am bata thairis. Fhuair an gille greim air a bhata agus lean e ris. Dh’ fheuch Langford ri snamh gu tir, ach cha d’fhuair e fada sam bith ’nuair a chaidh e fodha. Fhuaireadh a chorp beagan uairean an deigh sin. Tha’n cholera a sgapadh air feadh Russia. Tha ’n luchd-riaghlaidh a deanamh na dh’fhaodas iad gu grabadh a chuir air a phlaigh ach tha na bailtean cho salach ’s nach eil e furasda sin a dheanamh. Air an darna latha dhe’n mhios so bhasaich ceithir fichead ’s a h-aon deug leis an euslaint sin ann am Boku, agus bha corr ’us tri fichead na’n laidhe tinn. TAGHADH BUILL PHARLAMAID. Sgaoileadh ard pharlamaid Bhreatuinn air an t-seachduinn so agus tha’n seann duthaich air bhoile le upraid an taghaidh choitcheann. Do na Gaidheil tha an taghadh so lan do nithean cudthromach oir, a reir ’s mar a theid guth an t-sluaigh air fad, is ann a bhitheas cuisean agus coirichean nan croiteirean air an suidheachadh. Tha luchd aiteachaidh nam beann, air an aobhar so, ag obair guallainn ri guallainn ’s an strith agus cha ’n ’eil ri chluinntinn ach fuaim ’us gleadhraich na catha air feadh na tire. Tha na tighearnan fearainn, mar a b’ abhaist, ag cur an geall agus an dochas anns na h-uachdaranan a tha a nis a riaghladh impearachd Bhreatauinn a reir na seann bheachdan bha cho millteach do’n t-sluagh. Air an lamh eile, tha na croiteirean a’ leigeil an taic orra fein ’us air na daoine treuna, dearbh ta, a sheis gu dileas leo ann an uair na deuchainn, ’sa thagair air an son na coirichean a chaidh a’ bhuannachadh cheana ’s a pharlamaid. Is e guidhe gach fior Ghaidheal ’s an tir so gu’m biodh soirbheachadh aca a reir am miann.—Scottish Canadian. [TD 26] [Vol. 1. No. 7. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 9, 1892. ANN an ait eile gheibh ar luchd-leughaidh litir o’n Urr. A. Mac Gilleain Sinclair. Chuir an duin-uasal sin a mach o chionn ghoirid, leabhar ur Gailig ris an abrar “Na Baird Ghailig bho 1715 gu 1765.” Tha e na leabhar thachdmhor r’a leughadh. Tha h-uile bard a b’fhiach a bha beo anns an am sin air ainmeachadh, beagan de dh’eachdraidh a bheatha air innse, agus air a chuid a’s lugha aon oran a rinn e air a chuir sios. Tha na baird a b’fhearr mar tha Donnacha Ban, Rob Donn agus Alasdair Mac Mhaistir Alasdair, air an cuir seachad le aon oran am fear, a chionn gu bheil an cuid bardachd ann an clo cheana, ach tha deagh rum air a thoirt do na baird bheaga, nach deachaidh a chuid a’s mo de’n orain ann an clo riamh. Tha mar so iomadh oran blasda air a thoirt gu solas an la, a bhiodh air chall gu buileach mur b’e dichioll Mhr. Sinclair. Am measg moran de dh’orain nach fhaca sinn gu so, tha seann charaid a tachairt ruinn an sid ’n an so, mar tha, “Mo mhali bheag og,” “Cead deireannach na’m beann” “Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar,” agus fear no dha eile. Bu choir do gach aon a tha deigheil air bardachd Ghailig cur a dh’iarraidh an leabhair so. Cha’n eil e cosg ach 75cts. Gheibhear e bho Haszard & Moore, Charlottetown, P. E. I., no bho Rev. A. Mac-Lean Sinclair, Belfast, P. E. I. Tha sinn a faotainn moran de litrichean nach urrainn dhuinn a chuir ’s a MHAC-TALLA. Tha MAC-TALLA, mar is aithne dhuinn uile, gle bheag, agus nuair a thig litir mhor d’a ionnsaidh, ’s gann a bhios rum aige dhi. Bheireamaidh comhairle, ma ta, orra san a bhios a sgirobhadh thugainn, iad a radh na th’aca ri radh ann am beagan fhaclan. Cha’n eil sinn a ciallachadh le so gu bheil a h-uile litir fhada mi thlachdmhor ’s fhada ma’s eil. Ach tha sinn ag rrdh gu bheil moran de litrichean mi-thlachdmhoir, fada, tuileadh ’us fada. Ma tha moran agad ri radh, a charaid, abair e ’s gabh rum iomchuidh gu sin a dheanamh, ach mur eil agad ri radh ach beagan, thoir an aire nach bi thu feuchainn ri tuilleadh a chuir ris, air son do litir a dheanamh mor; cha’n eil an sin ach goraiche. Ma tha toil agad a bhi cinnteach gu’n teid do litir an clo, agus gu’n leubhair i, dean goirid i. OLIVER CROMWELL. Nuair a sheasadh neach air mullach Coire an Iubhair an Gealaghaidh, ann am Braighe Bhaideanach, chitheadh e Beinn-Nimheis, coig mile fichead an iar air, ag eirigh suas mu chhinneamh os ceann coithional nam beanntan arda mun cuairt dith air gach taobh, an ear, an iar, an tuath agus an deas. Bha ise na seasamh am measg mor-chuideachd nam Beann sin mar Bhan-righinn, anns a’ mhorachd a bha duchasach dhi fein, agus crun de shneachda sior-bhuan air a ceann: agus mar gum biodh i ag amharc sios le tair air na beanntaibh a bha seasamh m’ a timchioll mar chnocanaibh beaga, a’ lubadh agus a’ cromadh an cinn ann an urram do’n Bhan-righ a bha fa ’n comhair. Is ann mar so a chi sinn cuid de dhaoinibh, ann an eachdraidh nan linn a chaidh seachad, ag eirigh an aird os ceann na muinntreach sin a bha ’nan comh-aimsirich dhaibh, mar a ta Beinn-Nimheis agus a leithidean os ceann nam beann; agus iad a’ seasamh a mach gu soilleir mar luchd-riochdachaidh na linne sin anns an robh iad beo. A measg na dream so faodaidh sinn Oliver Cromwell a chunntas: ged a tha a chliu air a chur sios air doighibh eug-samhuil le sgriobhairibh air leth, nas mo do reir an roimh-bharailean claon-bhreitheach fein, na do reir firinn, agus gniomharran riochdail dearbh chinnteach air am bheil eachdraidh. Tha Cromwell air a mholadh gu mi-chubhaidh, no air a dhiomoladh gu mi-cheart, do reir cail agus barail an sgriobhadair, agus chan ann a reir toillteanais. Bu duine iongantach e a thogadh suas le Freasdal De aig am neo-ghnathach gu obair neo-ghnathach a chur an gniomh, chan fhaic cuid dad sam bith ann ach olc a mhain, chan fhaic dream eile ann ach ni a ta math agus iomlan. Ach is i an fhirinn riochdail gu m bu chriosdaidh durachdach treibh-dhireach, firinneach a bha ann, a dh’ aindeoin choireannan araid, a bha milleadh a chliu, agus s’ toirt fath d’a naimhdibh labhairt gu toibheumach uime, agus cuis-chasaid a thoirt na aghaidh. D. B. B. Tha litrichean a Gaidhealtachd na h-Alba ag innse gu bheil am barr na’s gealltannaiche air an t-samhradh so na bha e o chionn iomadh bliadhna. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so; Thigibh an so; Thigibh an so le bhur cuinneadh Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uile Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. TIGH ACADIA. [TD 27] [Vol. 1. No. 7. p. 3] AM FEAR A GHOID A MHUC. Le “Fionn.” Bha ochd teaghlaichean a fuireach anns a Chlachan ri m’ chiad chuimhne. Na ’m measg so, bha Seumas Gobhainn, duine daicheil, pongail, aig an robh bean bheag, agus teaghlach mor; Calum Taileir, seana ghiullan cridheil, gleusda,—oranaiche fonnar, agus fidhleir barraichte,—na lan-dhearbhadh air firinn an t-sean-fhacail—“ciad taileir gun bhi sunndach,” Dughall Ruadh Greusaiche, duineachan geur, sgairteil, gu math fada ’s a’ cheann ’s cho nan phratan ’us feala-dha ’sa tha’n t-ubh dhe’n bhiadh. Ged a bha ceum crabaich an Dughall, “Bha aigne cho reachdmhor ri breac ann am burn,” agus bha e cho lughor, laidir, ri duine gun ghaoid, gun ghalair. Na ’n robh Dughall cho teom’ air na brogan ’sa bha e air na breugan, dh’ fhoghnadh sin, oir bhiodh neach gu math fada air a chuir thuige air aon “ceud greusaiche gun bhi breugach” a stiuradh a cheum an taobh a bha Dughall Ruadh. Ach mar a thuirt Seumas Mor. “Tha na’s miosa na Dughall ri fhaotainn, na’n robh fhios c’aite faighear iad.” Bha aon fhear eil’ anns a chlachan, air am feum mi iomradh a thoirt, agus cha b’ e bu choir a bhi air dheireadh. Is e so Donnacha Tiorram, dreangan de bhodachan, crion, crosda, peallach, cho seolta ris an t-sionnach, agus cho spiocach ’s gu’n reiceadh e sheana-mhathair air bonn a-h-ochd, mar a chi sinn mu’n tig crioch air mo sgeul. A thuilleadh air a cheathairne so dh’ ainmich mi, bha beagan theaghlaichean eile anns a chlachan, daoine coire, cneasda, le oigridh shunndach thapaidh, agus iad gu leir salaidh, cairdeil na’n doigh. Ri m’ cheud chuimhne, cha robh teaghlach dhiubh so nach robh a cumail muice, agus bha e na chleachdadh ionmholta na ’m measg, an uair a mharbhtar muc, gu’n robh sgonn mhath d’an mhuc-fheoil air a bhuileachadh air gach tigh; agus leis nach robh teaghlach gun mhuic, bhiodh iad uile air an aon ruith aig ceann na bliadhna, chionn bha suil gu’n deanadh gach neach na am fein, mar a rinn a choimhearsnach air thoiseach air. Bliadhna bha sid—ma’s math mo bheachd, ’s i bhliadhna thainig an galair ’sa bhuntata,—cha robh e comasach do’n chuid bu mho de na croiteirean muc a chumail leis mar a ghrod am buntata, agus cha robh ach ceithir mucan ri fhaotainn ’sa chlachan. Bha te aig Dughall Ruadh; te aig Donnacha Tiorram; te aig Calum Taileir; agus seorsa de mhuic bhioraich aig Seumas Gobhainn. Mar a bha bhochdainn ’sa chuis, bhasaich muc an Taileir leis a ghort, agus air maduinn latha Nollaig, bhasaich muc bhiorach a Ghobhainn le gaeair a mhairt a bha ’m Port-Ascaig, “Am fuachd ’s am t-acras comhla.” Cha robh, mar so, a nis ach da mhuic ’s a chlachan,—te Dhughaill Ruaidh, agus te Dhonnachaidh Thiorriam. Mu’n Fheill-Brighde, bha gach buntata carrach a bh’ aig Donnachadh Tiorram a fas gann, ’s mar ma bu dubh, bha mhuc a fas reamhar. Chuireadh e chorc innte latha air bith, ach bha e ann an iomgain chruaidh ciamar a gheibheadh e thairis air an t-seana chleachdadh a dh’ ainmich mi. Cha robh toil idir aige a mhuc a roinn air teaghlaichean a bha eucomasach air a phaigheadh air ais, ach bha eagal air mur cumadh e suas an t-seana chleachdadh, mar bu nos, gu’n abradh daoine gu’n robh e spiocach neochairdeil,—rud a bha. Bha e cho crion, cruaidh, na dhoigh ’s gu’n robh roinn na muice dol eadar e ’s a chadal; bha i air inntinn re an latha ’s na aisling re na h-oidhche. Cha robh maduinn nach ruigeadh e fail na muice; dh’ amhairceadh e oirre gu geur agus thilleadh e dhachaidh. Maduinn a bha sud, leum e fail na muice, ’s dh’ fheuch e ri ’h-aisnean a chunntas; ach leis an t-saill a bh’ air a bheisd, cha’n amaiseadh e ach air dha no tri. “Their leam,” ars esan ’s e bruidhinn ris fhein, “gur e tri aisnean a b’ abhaist do gach teaghlach fhaotainn. Cha’n eil fhios cia meud aiseann a tha ann am muic? Tha e agam a nis; tha beachd agam air Padraig nan each a bhi ’g radh gu robh suaip mhor aig taobh-stigh muice ri taobh-stigh duine;” ’s le so a radh leum e mach a fall na muic; dh’fhosgail e bhroilleach agus thoisich e air aisnean fein a chunntais gu stolda. Dh’amais e air dusan air gach taobh. “Ma gheibh seachd teaghlaichean,” ars esan, “tri aisnean an t-aon, bi’dh an sin aiseann-ar-fhichead. Mo chreach ’s mo sgaradh! bheir sin bhuam an tromlach d’en mhuic. Gu dearbh b’ e sin e! dol a thoirt seachad an rud ris nach urrainn suil a bhi agam air ais,—’s mi nach bi cho gorach. Theid mi ’s gabhaidh mi comhairle a ghreusaiche; bi’dh e fhein ’sa cheart chur thuige gu goirid.” (Ri leantuinn.) Tha’n cath a fas gu math teth eadar Gladstone agus Salisbury. Tha gach fear a deanamh a dhichill air a bharailean fein a sparradh air an t-sluagh, agus air barailean an fhir eile chur air chul. Cha mhor gu bheil latha dol seachad gun an darna fear a bhi labhairt air na cuisean cudthromach a tha fa’n comhair. Bi’dh na Buill Parlamaid air an taghadh air an ath sheachdainn. Tha na h-Eirionnaich a gabhail an doigh fein dha’n ghnothach, an darna pairtidh a feuchainn ri buaidh a thoirt air a phairtinh eile leis a h-uile arm-cailich a thig n’an rathad. Loisgeadh dithis dhaoin oga gu bas ann an stabull a chaidh na theine ann an New York, Di-mairt s’a chaidh. Rainig an t-Onorach Edward Blake Lunnainn Di-Luain s’a chaidh. Ghabh na Fein-Riaghladearan ris gu suilbhir. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Batha —BHO— C. S. JOST & CO. Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 28] [Vol. 1. No. 7. p. 4] LITIR EILE A EILLEAN A PHRIUNNSA. A MHIC-TALLA,—Rinn mi toileachadh ri t’ fhaicinn. Soireachadh math dhuit is moran chairdean. Tha mi ’n dochas gum faigh thu na tha dhith ort de luchd-gabhail. Tha e ’na aobhar taingeachd do Ghaidheil na h-Ard-fhlaitheachd so gun danig thu chum an t-saoghail, ’s bidh e ’na mhasladh buan dhaibh ma leigas iad leat a dhol bas le cion cobhair agus bristeadh cridhe. Their cuid diu gu bheil na Gaill ri tair air an cainnt. Carson nach bitheadh ma tha iad fein ri tair oirre? ’S bochd na leisgeulan a tha daoine ’gabhail airson a bhi duiltadh ’t fhailteachadh mar charaid. Tha cuid ag radh gu bheil thu beag. Bha Mac-Asguill beag nuair a chunnacas an toiseach e, ach d’fhas e mor ri uine. Thug a chairdean biadh dha ’s thug iad an air air. Nan do thilg iad am mach air an dorus e dh’ fhanadh e beag. ’S fhearr nighean bheag sgiobalta na luid mhor shocrach. Cha robh an t-abstol Pol ach beag, gidheadh thug e tuilleadh soluis do ’n t-saoghal na thug famhair a bha riamh ann. Tha cuid ag radh gum faigh thu ’m bas an uine ghoirid. Ma gheibh ’s ann acasan a bhios a choire. Tha iad ag iarraidh cur as duit, ged nach toil leo aideachadh gu bheil faireachdainnean mortail nan cridhe. Their cuid nach h-urrainn iad Gaidhlig a leughadh. Tha sin na leisgeul math mur h-urrainn iad Gaidhlig a labhairt; Ach ma’s urrainn iad Gaidhlig a labhairt agus Beurla a leughadh tha e na mi nulladach gum biodh an leisgeul sin aca. Tha e soilleir gu bheil inntinn lag, dhall, aca, no gu bheil iad leisg agus gun iarrtas air eolas fhaotuinn. Their cuid eile nach h-’eil feum ’sa Ghaidhlig, gur fhearr cur as d’i. Dh’fhaoidte nach h ’eil moran feuma ann am mathraichean nan daoine sin, gu bheil iad sean, lag, tinn, agus a snaigheadh as gu luath, ach an iarradh iad smugaid a thilgeadh ’nan gnuis, am breabadh, ’s an cur as an t’saoghal? Tha iomadh amhlair ann a their nach h eil feum ’sa Ghlaidhlig, ach cha n’eil ard sgoileir an diugh beo a labhras ann san doigh sin. Tha feum ann an da chainnt do dhuine sam bith aig a bheil da chainnt. Tha iad ’nam meadhon air a bhi ’neartachadh ’s a geurachadh inntinn. Tha mi ’n dochas gu bheil aon leisgeul ann airson a bhi a deanamh dearmad ort, nsch h-’eil aig Gaidheal sam bith ’na chridhe, ’s e sin an spiocaireachd. Co a bhiodh cho cruaidh, suarach na nadar, ’s gu’n diultadh e lethdolar a thoirt seachad a chumail a suas paipeir naidheachd ann sa chainnt ann san do theagaisg Padraig agus Calum-Cille firinnean an t-soisgeil do Ghaidheil Eirinn agus Alba? a-chainnt sin a theagaisgeadh dha fhein an toiseach ’s a theagaisgeadh dha le athair caoimhneil ’s mathair-bhaigheil? Ma tha Gaidheal de’n ghne sin ann, fosgail an dorus dha, cuir am mach gu grad e, ’s leig a-staigh an cu. A. MACGILLEAIN SINCLAIR. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh. D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feam sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 29] [Vol. 1. No. 8. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH, 16, 1892. No. 8. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. “DHIA GLEIDH ’BHANRIGH.” (God Save the Queen.) LE AOGHNAS DOMHNULLACH. “Dhia gleidh ar Banrigh mhor, Beatha bhuan da’r Banrigh choir, Dhia gleidh ’Bhanrigh. Thoir buaidh dhi, ’us solas, Son’ agus ro ghloirmhor, Fada chum riaghladh oirnn’; Dhia gleidh ’Bhanrigh; A Thighearn ar Dia eirich, Sgap a naimhdean eitich, ’Us leag iad sios. Cuir cli an droch riaghladh, Tilg sios an luib dhiabhlaidh, Ar dochas oirre leag— Dhia gleidh ’Bhanrigh: Do thiodhlaig mhaith thoir dhi, Doirt orre pailt gun dith, Fad’ riaghladh i; Ar reachdan dionadh i, Toirt dhuinn aobhar, gun sgios,, ’Bhi seinn le ’r guth sar cridh’ Dhia gleidh ’Bhanrigh!” NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha troimhe cheile mhor ann am Pennsylvania. Tha ceithir mile duine anns an obair-chruadhach aig Pittsburg a diultadh obair a dheanamh, agus cha leig iad le duine sam bith eile ’dhol a dh’obair na’n aite. Dh’fheuch Carnegie, maighstir na h-obair ri daoine eile chuir a stigh, ach cha leigeadh iadsan a bha seasamh a mach leosin tigh’nn air tir. Thoisich iad an sin air losgadh air a cheile agus bha blar fuilteach eatorra anns ’n do mharbhadh sia duine fichead, agus leonadh lethcheud duine cho dona ’s nach bi iad beo. Bhuin an luchd-oibreach ris na daoin eile cho bruideil ’s a b’urrainn daibh. Rinn iad an uile dhichioll air na bataichean anns an robh iad a chuir na’n teine, agus ’nuair a gheill cach dhaibh air chumha gu’m faodadh iad a dhol dhachaidh tear uinte, cha do sheas iad ri ’m facal, ach rinneadh droch dhial air cuid dhiubh. Air an deicheamh la thug Riaghladair na staite ordugh do na saighdearan a dhol a chur casg air luchd na h-aimhreit. Ghabh na saighdearan sealbh air a bhaile gun duine chur na’n aghaidh. ’Sann mar so a tha cuisean a seasamh, an drasd. Co dhiu tha ’n luchd oibreach air an droch caradh no nach eil, cha’n fheaird iad idir a bhi gabhail an lagha na’n lamhan fein. ’Sann a ni e cron mor dhaibh. ’S dona ’n doigh air olc a cheartachadh, olc eile ’dheanamh. ’Nuair a chuala muinntir Halifax mar a thachair ann an St. John’s, chaidh iad gun dail a chruinneachadh airgid air son cuideachadh leis na daoine bochda, agus an uine ghoirid, dh’ fhag soitheach smuid am port sin air a luchdachadh leis gach ni a bhiodh feumail dhaibh. Tha bailtean eile a leantuinn air an deagh obair sin agus, am beagan laithean, tha sinn an dochas nach bi cion bidh no aodaich air sluagh a bhaile loisgte. Tha Montreal a toirt dhaibh, mar chuideachadh, $10,000; Toronto, $2,000; Hamilton, $1,000; St, John, $7,000; Truro, $1,000; Windsor, $1,000; Pictou, $500; Sidni Tuath, $500; agus bailtean eile a reir sin. Tha muinntir Chanada gu leir a nochdadh am fialaidheachd, agus an cairdeis, le bhi deanamh na dh ’fhaodas iad air son na feumach, agus cha’n eil teagamh nach bi so na mheadhon air Canada ’us Newfoundland a thoirt gu bhi na’s cordte, an deigh so, na bha iad ’san am a chaidh seachad. Bha e na chleachdadh a measg nan Innseanach ann an America, o chionn ceudan bliadhna, nuair a bhiodh neach sam bith tinn ’sa chuirte fios air dotair g’a ionnsaidh, na faigheadh e bas an deigh sin, bha ’n dotair ri ghrad mharbhadh e fein! Bha innseanach ann am Manitoba am bliadhna aig am robh gille tinn. Chuir e fios air dotair, ach a dh’aindeoin sgil an fhir sin, dh’eug an gille. Smaoinich esan an sin gu’m bu choir an seana chleachdadh a chuir an gniomh, agus mharbh e ’n dotair. Chaidh binn crochaidh a thoirt a mach air, ach an aite sin tha e dol a dh’fhaotainn an tigh oibreach ri bheo. Tha’n Cholera ann an Russia, agus mar an ceudna anns a Fhraing. Ann am Paris, ceanna-bhaile na duthcha sin, bhasaich ceud gu leth leis a ghalair sin, ach tha ’n luchd-dreuchd ’ga chumail an cleith cho math sa’s urrainn daibh. The paipeir Gearmailteach ag radh gu bheil droch easlaint a measg nan saighdearan Ruiseanach, da mhile deug bho bhuile St. Petersburg, ’s gur e barail dhaoine gur e ’n cholera a th’ann. [TD 30] [Vol. 1. No. 8. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 16, 1892. Tha taghadh nam Ball-Parlamaid a dol air aghaidh ann am Breatninn air an t-seachdainn so. Cha’n eil iad, anns an duthaich sin, a taghadh nam ball uile ’s an aon la mar ann an Canada, ach tha ’n taghadh a dol air adhart o latha gu latha fad corr ’us seachdainn. Tha Salisbury a call cho fada so, ach cha’n eil Gladstone a gleidheadh uiread sa bha e fein no muinntir eile ’n duil. Tha e ro choltach gu’m bi an da phairtidh m’an aon mheudachd, nuair a bhios an taghadh seachad, agus mach bi taobh seach taobh laidir gu leor air son an duthaich a riaghladh. Tha neach araidh a sgriobhadh thughainn a “Baile nan Gaduichean,” ann an Ontario. Tha e ’g radh mar so,—“Cha’n eil moran de Ghaideil anns an aite so, ach na th’ann, tha iad fior-ghlan agus ro eudmhor as leth na canain bhinn, bhlasda, sin a bha air a cleachdadh bho thus anns a gharadh. Tha iad mar an ceudn’ a lan chreidsinn ’nuair a gheibh a Ghailig bas gu buileach nach bi moran tuilleadh ri dheanamh air an talamh so.” SGEUL MU IARBAS AGUS DIDO NO ELISA. Bha aig Pugmalion righ Thioruis piuthar d’am b’ainm Dido, a bha posda ri Sichaius, duine saoibhir ann an Tiorus: air son a shaoibhreis mharbh Pugmalion Sichaius, an duine aig a’ phiuthair. Ach theich Dido, agus thug i leatha an t-ionmhas a bhuineadh d’a fear, a chum gun rachadh i gu h-Africa, far an do thog i Baile d’am b’ ainm Carthago no Cartaigh. Tha Iustin, an t-Eachdraiche a sgriobh an Laidinn ag radh. “Am feadh a bha nithean so dol air an adhart, nuair a chuala Pugmalion gun do theich a phiuthar, Dido, rinn e ullachadh gu dol ’na deigh gu cogadh rithe gu h-aingidh, agus b’ann air eigin a chumadh air ais e le guidheachan a mhathar, agus le bagraidhibh nan diathan; oir bha na faidhean fo dheachdadh nan Dee a’ cur an ceill da nach rachadh e as gun pheanas nan cuireadh e bacadh, no stad, air ceud-fhas a’ bhaile sin (Cartaigh,) am baile mor a b’ fhortanaiche air an t-Saoghal uile. Mar so thugadh cothrom teichidh do ’n dream a bha air an ruaig. An deigh dhaibh Africa a ruigsinn, agus Baile Chartaigh a thogail, chuala Iarbas, aon de righribh nam fineachan borb a bha san tir sin, iomradh air cliu agus morachd na ban-righinn, Dido, agus smuainich e gun iarradh e i ri phosadh. Tha Iustin, an t-Eachdraiche ceudna, a’ cur an ni so an ceill, anns an XVIIImh Leabh. d’a Eachdraidh, 6mh Caib, mar so, “Nuair a bha cuisean Chartaigh ann an staid shoirbheasaich, lan sealbhmhorachd, ghairm Iarbas righ nan Maicsiteanach deichnear de phrionnsaibh nan Cartaighineach d’a ionnsuidh agus dh’iarr e Elisa (no Dido) ri phosadh a’ bagairt cogaidh nan diulteadh e. Bha eagal air na teachdairibh so a chur an ceill do’n bhan-righinn agus uime sin ghnathaich iad innleachd air a son do reir seoltachd nam Poinneach (Punic Lat. Poeni). Dh’innis iad gun robh an righ ag iarraidh neach-eigin a theagaisgeadh dha fein ’s do na h-Afraich am biadh a dheasachadh air doigh a b’uaisle; ach co ghabhadh faotainn aig an robh misneach gu dol a mach bho dhilsibh gu sluagh borb a bha teachd beo mar na faidh-bheathaichibh? An sin, nuair a chronaich a’ bhan-righinn iad, ag radh, an robh iad a’ diultadh beatha chruaidh thrioblaideach a chaitheamh airson saorsa an duthcha, d’an robh eadhon am beatha fein mar fhiachaibh nan iarrteadh i, chuir iad an ceill iarrtus an righ, agus thubhairt iad rithe an ni a dh’orduich i do chach gun robh sin aice fein ri dheanamh nam b’aill leatha comhairle a ghabhail air son maith a’ bhaile. Ghlacadh i leis an innleachd so, agus nuair a bha i re uine fhada a’ gairm air ainm a fir le moran dheur agus le tuireadh bronach, fhreagair i mu dheireadh gun rachadh i an taobh a bha am freasdal ’ga gairrn air son a Baile fein. Anns an staid so chuir i seachad uine thri miosan, thog i aig iomall a bhaile cruach fhiodha mar gum biodh i dol a dheanamh reite ri Tannasg a fir, agus a’ dol a dh’ iobradh do na Dee iochdarach mum poasdh i. Mharbh i moran bheathaichean reamhra air son na h-iobairt, agus air dhi a claidheamh a ghlacadh dhirich i suas gu mullach na cruaiche, dh’amhairc i mu’n cuairt air an t-sluagh agus thubhairt i gun robh i dol a dh-ionnsuidh a fir mar dh’aithn iad. Mar sin chuir i crioch air a beatha leis a’ chlaidheamh.” D. B. B. Chaochail coig ceud ’s tri fichead ’sa coig leis a cholera ann an Turkestan, bho’n 28mh Mai gus an 2ra la de dh’ Iun, ceithir latha. Sgaoil Parlamaid Chanada Di-sathairne so chaidh, an deigh a bhi cruinn fad cheithri miosan. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. TIGH ACADIA. [TD 31] [Vol. 1. No. 8. p. 3] AM FEAR A GHOID A MHUC. Le “Fionn.” Thog e air gu tigh Dhughaill Ruaidh agus ’s ann a bha e coltach ri fear air an robh na maoir an toir. Dh’ amhairceadh e air gach taobh an drasd ’s a rithist; ’s an sin bheireadh e suil thar a ghualainn feuch an robh duin’ air a lorg, mar a thuirt an sean-fhacal,—“tuigidh gach cu a chionta,” gus ma dheireadh an d’ rainig e Dughall Ruadh, ’s leig e ris run a thuruis. Ged a dh’ fheuch e ri suas na firinn a chuir air a bhreig, thuig Dughall Ruadh an seud a bh’aige gu math, agus chuir e roimhe gu’m biodh an spiocaiareachd daor do Dhonnacha Tioram. “S mi tha toilichte gu ’n d’thainig thu,” arsa Dughall; “Tha mi faicinn gu soilleir nach bi ann ach goraiche dhuinne aig a bheil mucan, an fheoil a roinn orrasan a tha gun mhuc. Bha an riaghailt math gu leor cho fada ’s a bha muc aig gach teaghlach, ach dh’fhalbh sin, ’us thainig so, agus tha e mar fhiachaibh air gach duine a bhi dluigheil, curamach ma’n cuid fein. Air eagal gu’n abair daoine gur e ’n cruas, ’s an spiocaireachd, a thug ortan t-seana chleachdadh a leigeil gu tur air dichuimhn’, feumaidh sinn seol a dheanamh air a mhuc a chur as an rathad an latha ’theid a marbhadh.” “Cuiridh mi falach i,” arsa Donnacha Tioram, “agus their mi gu’n deachaidh a goid?” “A cheart ni,” arsa Dughall Ruadh, “nach tu tha fada sa cheann. Gheibh mise mo sgonn fein d’an mhuic uair sam bith.” “Gheibh, gheibh.” arsa Donnacha Tioram. “So agad mar theid thu mu’n chuis,” arsa Dughall Ruadh; “crochaidh tu closach na muice ann an tigh nan cairtean, re na h-oidhche; aig beul an latha, eirich agus cuir am falach i, agus boidich gu’n deachaidh a goid a tigh nan cairtean.” “Foghnaidh sin a Dhughaill,” arsa Donnacha Tioram; “’s tu fein gille nan car; nach sinn a thachair air a cheile. Bho’n fhuair mi’n gnothuch socraichte a reir mo mhiann, cha bhi saoghal na muice fada nis, ’s bi’dh i againn uile dhuinn fein. ’Is fearr eun ’s an laimh no dha air iteig.’ Slan leat, a Dhughaill, leiiggh mi fios dhuit an uair a mharbhas mi a mhuc.” Is gann a bha Donnacha Tioram a mach air an dorus, an uair a thoisich Dughall Ruadh,—crubach ’s mar a bha e,—air Ruidhle Thullachain a dhannsadh, gus an do theab e e fein a chuir as an amhaich am measg na bha de chip ’s de sheana bhrogan air an urlar; oir bha de bhrogan air urlur Dhughaill, a feitheamh an caraidh, ’s gu’n saoileadh tu gu’n robh ceithir chasan air a h-uile duine’s an sgireachd. “Mac an fhir ud!” thuirt Dughall, an deigh dha dol troimh cheithir chuir fhichead Ruidhle Thullachain; “creanaidh esan air a spiocaireachd, ma bhios Dughall Ruadh beo gu Di-luain so tighinn, rud a bhitheas. Theid mise ’n urras gu’n tuig Donnacha Tioram ciod is ciall da bhi call nam boitean agus a trusadh nan siabhag. ’S fheudar dhomh Calum Taileir fhaicinn mu’n ghnothuch so.” An uair a bha obair latha seached, thog Dughall Ruadh air gu tigh Chaluim Thaileir, ’s dh’innis e dha mar a bha cuisean a seasamh. “An cealgair dubh!” arsa ’n Taileir, “tha mi tuigsinn a nis ciod am feum a bh’ aige air mo chrios-tomhais an latha roimhe. Nan robh fhios agamsa gur ann a dol s thomhas na muice a bha e le m’ chrios, cha d’ fhuair e oirleach dhe; ach fuirich ort,—bi’dh car eile ’n adhairc an daimh, ’s car ur an ruidhle ’bhodaich, ma ’s fhiach sinne ar brochan, a Dhughaill.” (Ri leantuinn.) Bha teine mor ann an St. John’s, Newfoundland, air an t-seachdainn so chaidh. Thoisich an teine air Di-haoine ann an seann sabhal. Bha duine stigh a lasadh pioba agus thuit pairt do’n teine anns an fhodar air an urlar. Ann am beagan mhionaidean bha ’n sabhal uile na theine dearg. Bha moran de sheann taighean faisg air agus ghabh iad sin teine gu h-ealamh agus mu’n robh fhios aig muinntir a bhaile c’aite ’n robh iad, bha ’n teine air feadh a bhaile air dhoigh ’s neach gabhadh casg cuir air. Fad cheithir uairean fichead bha ’m baile losgadh. B’fheudar do shoithichean a bh’anns an acarsaid a dhol a mach na b’fhaide no bhiodh iad air an call, ’s thug aireamh mhor do ’n t-sluagh orra dha’n uisge ann am bataichean. Air an t-Sraid Uisge bha moran de thighean cloiche, ach cha do sheas iad sin dad na b’fhearr na na togalaichean fiodha. Mu mheadhon-latha Di-sathairne thoisich an teine ri dhol air ais an deigh corr us da mhile tigh a chur gu lar, agus ceithir mile deug ’us coig ceud duine fhagail gun dachaidh. Cha robh oifiig paipeir-naidheachd, oifig fear-lagha, no tigh-comhnuidh ministeir anns a bhaile, nach deach a losgadh. Tha ’n eaglais Shasunnach, a b’fhiach leth-muillean, na luathainn. Tha moran de dhaoine bochda anns a bhaile a chaill na bh’aca dhe’n t-saoghal leis an teine, ’s a tha ’n diugh gun tigh, gun bhiadh, ’s gun aodach. Bha muinntir a bha air an deagh dhoigh maduinn Di-haoine, gun sgillinn ruadh no fiach sgillinn aca, feasgar Di sathairne. Chaidh dithis de chloinn bhig a losgadh gu bas. Thuit aon duine as a sheasamh leis an eagal. Chaidh coignear a losgadh no bhathadh air bata-smuid a chaidh nathaine. Chaill ochdnar uile gu leir, am beatha, agus rainiig an call uile suas ri fichead muillean dolair. Dh’fheuch H. M. Stanley, fear-rannsachaidh Africa, ri aite suidhe fhaighinn anns a Pharlamaid Bhreatunnach, o chionn ghoirid, ach cha deachaidh sin leis. Thainig am fear a ruith na aghaidh a mach fad air thoiseach air. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO— C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n ’eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 32] [Vol. 1. No. 8. p. 4] BROSNACHADH-CATHA BHRUIS. (Eadar theangaichte o ’n Bheurla.) ’Fheachd Alba, thug le Uallas buaidh, ’Stric fo Bhrus bha’n cogadh cruaidh, Failte dhuibh gu fois na h-uaigh, No gu buaidh is sith. So an latha—an uair so tha, Feuch fo’n cruaidh a nuas mar sgail, Feachd na h-uaill fo Iomhar dan, ’Dheanamh thraillean dinn. Co na shloightear, feallta, fuar? Co na ghealtar dh’iarradh uaigh? Co na thraill fo shail luchd-fuath? Clis bi bhuam! fhir-chlith. Co as leth a Thir, sa Coir Thairneas staillinn chruaidh na dhorn? Buaidh an aird, no bas le gloir! Lean a dheoin do Righ. Air ar bruid fo shluagh neo-chaomh, Air bhur n’ al an sas san daors, Traighidh sinn ar fuil ’s an raon. Bheir sinn saors’ d’ar linn. Sios na coimhich bhorb gur bas! ’Streath gun iochd gach ceann thig bhain, Saorsa thig an lorg gach straic. Buaidh no bas ma’n till. S. A. Arisaig, 1892. BHO’N CHAMUS FHARSUINN. Failt air MAC-TALLA! Is fada bho’n a chualas a ghuth an toiseach, ged nach fhaca sinn riamh e gus air an t-samhradh so. An tus mo latha ’s minig a bha e magadh air mo ghlaodhaich agus e ’ga fhalach fhein orm anns an t-sabhal no, sa Bheinn Bhric. Bha mi ’n duil an uair sin na faighinn greim air gu’n cuirinn car na amhaich, ach ’nuair thainig e g’am ionnsaidh, chord a choltas rium cho math; bha e cho deus-bhriathrach, taitneach anns gach doigh, agus an aite bhi gruamach ris ’s ann nach bi mi toilichte mur tig e g’am choimhead, a chuid a’s lugha, aon uair ’san t-seachdainn. AN SEANA GHIULLAN. Mu Thri uairean ’sa mhaduinn, Di-luain so chaidh, thuit torr mor de thalamh ’s de chreig air baile beag ann an Savoy, d’an ainm St. Gervais Les Blaines, agus chaidh aireamh mhor thaighean a thiodhlacadh leis. Bha ’n sluagh uile na’n cadal aig an am agus cha robh doigh ac air a dhol as. Chaidh cuid dhiubh a mharbhadh na’n taighean, agus chaidh moran eile ’sguabadh do’n abhainn far ’n do bhathadh iad. Cha’n eil fhios ceart fhathast cia meud a chaill am beatha, ach fhuaireadh corr ’us ceud gu leth air am bathadh anns an abhainn, agus deich-’ar-fhichead marbh air tir. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig-mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 33] [Vol. 1. No. 9. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 23, 1892. No. 9. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chaidh an t-Onorach Edward Blake a thaghadh ann an Longford-a-Deas an Eirinn. Tha e air a mheas gu bheil na Staitean Aonaichte a paigheadh mar shaor-dhuais (pension) do na saighdearan corr ’us ochd fichead muillean dolair sa bhliadhna. Tha Sir Iain C. Abott an duil a dhol gu Sassuinn air an fhoghar, a cheartachadh cuisean a thaobh marbhadh nan ron ann am Muir Behring, agus a thaobh malairt nan colonies. Tha e cosg fichead mile dolair ’s an latha do Stait-Pennyslvania, a bhi cumail nan saighdearan aig Homestead air son riaghailt agus sith a chumail a measg nan luchd-oibreach. A reir a chunntais mu dheireadh a fhuair sinn mu thaghadh nam ball an am Breatuinn, bha tri cheud ’sa ceithir deug dhe na thaghadh air taobh Salisbury, agus tri cheud ’s da fhichead ’sa tri deug air taobh Gladstone. Tha feum mor aig an duthaich air uisge. Tha ’m feur a crionadh leis an tiormachd ’s a reir coltais tha’m barr gu bhi fad air ais. Tha teintean a deanamh call mor anns gach aite; tighean agus coiltlean air an losgadh a h-uile latha. Tha baile mor Montreal air thoiseach air a h-uile baile ’n Canada ann an toirt cuideachaidh do mhuinntir St. John’s. Thionaileadh sia mile fichead dolair anns a bhaile sin cheana, agus cha’n eil teagamh nach eil tuilleadh a tighinn. Bha iasgach nan giomach na b’fhaide air ais air an t-samhradh so na bha e o chionn iomadh bliadhna Bha ’m biadh gann ’s an t-side stoirmeil a cheud chuid de’n t-samhradh, ’s cha robh na giomaich ri’m faighinn faisg cho pailt sa b’athaist daibh. Tha duin-uasal a Halifacs, a bha air chuairt ann an Ceap Breatuinn o chionn ghoirid, ag radh gu bheil e na ni comharaichte anns an eillean bhoidheach sin an drasd, an aireamh thogalaichean a tha na tuathanaich a cuir suas. Cha’n e mhain gu bheil iad a cuir suas shaibhlean, ach tha moran diubh a togail thighean comhnuidh. Ghabh iad ioghnadh mor an Truro, air an t-seachdain so chaidh, de dhuine neo abhaisteach ard a thainig na’m measg. B’e an duine bha so Siosalach a mhuinntir Antigonish, agus bha e sia troidhean ’us deich oirlich a dh’airde. Bha e air a thurus dhachaidh a Boston. Bha duin og da’m b’ainm Uilleam Butler, comhla ri chompanaich aig bruaich abhainn Avon, aig Windsor, an la roimhe. Thoisich cuid dhiubh air geall a chuir ris nach snamhadh e thairis air an abhainn. Ghabh e an tairgse, dh’fheuch e ri dhol thairis, agus chaidh a bhathadh. Fhuaireadh a chorp air a chladach. Thaghail Caiptean J. W. Lawlor, aig Sidni Tuath air an t seachdainn so. Rainig a am port sin air feasgar Di-domhnaich agus sheol e a rithist feasgar Di-mairt. ’Se so an aon duine chaidh thairis air an Atlantic da uair gu sabhailte ann am bata beag. Tha e nis air a thurus gu Newfoundland. As a sin seolaidh e gu Queenstown an Eirinn. Tha e ’n duil gu’n ruig e am baile sin ri da fhichead la. Cha chuireadh e iongatas oirnn ged nach ruigeadh e idir. Chuir cothional Chreignish, an Inbhirnis, C. B., air a bheil an t-Urr. Ioseph Siosal na shagart, coig dolair dheug anns an tional air son cuideachadh le St. John’s. Tha iad a toilltinn moran cliu air son so. Cha’n eil an sluagh idir saoibhir, agus tha moran diubh air falbh aig an iasgach. Cha robh mar sin ach aireamh bheag dhiubh a fhuair cothrom air an tabhartas a chuir anns an tional. B’ fhearr gu’n deanadh na h-uile a reir an comais mar a rinn iadsan. Disathairne so chaidh, bha dithis ghillean, Seoras agus Arthur Kerr, a mhuinntir Charlottetown, a muigh a sealgaireachd. Rinn Seoras cuimse air cu, dh’fhalbh an urchair gun fhios da, agus chaidh a troimh cheann a bhrathair. Bha a marbh anns an uair. Dh’fhag Seoras an corp air an rathad agus ruith e dhachaidh, a dh’innse da pharantan mar a thachair. Nuair a rainig iad, fhuair iad an gille bochd na laidhe ann an loch fala. Thugadh an corp dhachaidh, agus thug an luchd-breith suas gun do thigeadh e le tuiteamas. Tha ’m brathair a tha beo agus na parantan ann an suidheachadh cianail. Cha robh am fear a mharbhadh ach sia bliadhna deug a dh’aois. [TD 34] [Vol. 1. No. 9. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 23, 1892. Dh’iarramaid a rithist air ar cairdean a bhios a sgriobhadh litrichean Gailig thugainn, iad ’gan deanamh goirid. Tha moran litrichean a tighinn g’ar n’ ionnsaidh nach urrainn duinn a huir ’sa MHAC-TALLA leis cho fada ’s a tha iad. Na’m feuchadh gach aon a tha gabhail a phaipeir so ri neach no dha eile fhaighinn gus a ghabhail, cha b’fhada gus am biodh MAC-TALLA suas a bhruthach. Tha cuid d’ar gabhaltaichean a tha deanamh so, agus ’s e tha sinn ag iarraidh gu’m biodh cach cho math ’s gun dean iad na’s urrainn daibh fein. Tha muinntir St. Johns a fulang. Tha deich mile gun tigh no fasgadh sam bith, agus coig mile ann am buthan. Tha corr sa ’n darna leth dhe’n bhaile air a losgadh, ’s cha’n eil air fhagail ach a chuid a’s miosa dhe. Cha’n eil baile an Canada nach eil a toirt a bheag no mhor de chuideachadh dhaibh, agus tha bailtean ann am Breatuinn a deanamh a ni ceudna. Tha feum mor air gu’m biodh muinntir fialaidh ann an toirt cuideachaidh do’n t-sluagh bhochd so, a chaill an cuid de’n t-saoghal anns an teine a thainig orra gun fhios, gun fhaireachadh. Tha taghadh nam ball ann am Breatuinn gu ire bhig seachad, agus tha Gladstone a tighinn a mach air thoiseach. Tha mu dha fhichead a bharrachd air a thaobh sa tha air taobh Salisbury. Ged a tha sin fhein aige, cha’n eil e cho laidir ’sa dh’fheumadh e bhi air son an rioghachd a stiuireadh gu direach, ceart, mar bu choir dhi. Tha phairtidh Eirionnach air a thaobh agus feumaidh e ’n aire thoirt nach toir e oilbheum sam bith dhaibh. Tha pairtidhean eil ann mar an ceudna, agus bi’dh lamhan Ghladstone gle lan na dh’fheuchas e ri’n toileachadh uile. Cha’n eile teagamh nach bi Fein-Riaghladh air a thoirt do Eirinn. A PHIOB MHOR. So mar a labhair an t Urr Tormoid Mac Leoid mu’n phiob mhoir:— “Is i piob nuallanach nan dos inneal ciuil sonraichte. ‘Tir nam Beann,’ agus i gu h-aighearach air ghleus an achlais fior Ghaidheil. A mheoir gu grad air an fheadan, e an lan eideadh nan sonn, agus e le cheum stadail ann an seomar uaibhreach a chinn-fheadhna no air feadh nan gleann aillidh anns an do fhreagair mac-talla nan creag do fheadain shiubhlach a shinnsearachd. Chan ’il inneal-ciuil eile cho freagrach air son tional clann gach fine bho gach gleann gu cruinneachadh mu bhrataichean an cinn-fheadhna, agus tha dearbh fhios gur i a mhain a chuireas chuireas gillean an fheilidh air mhire-chath do ’n bhlar. Is beo a bheir i failte do ’n cheann-fheadhna a’ tilleadh gu buadhar bho’n chatha, agus is tiamhaidh a thig an tuireadh uaipe an uaira ghiullainear le a dhaoine bronach e gu a dhachaidh bhuan anns a’ ghleann, na do ’n eilein naomh anns a bheil a dhaimh no ’n cadal. Tha doimhneachd faireachdainn agus tiamhachd anns a ’cheol so, tha air a chur cho saothrachail ri cheile, agus nach tuig neach e ach Gaidheal a mhain. Tha e dhasan lan de chuimhneachain dhruighteach mu a dhachaidh agus mu a dhuthaich; tha an ceol so a’ toirt a rithist fo chomhair a shuilean na h-aodainn agus na cruthan a dh’fhalbh; tha e a toirt air suilean ’inntinn a bhith a rithist a’ faicinn gach beann, agus loch, agus gleann de dhuthaich oige, agus a’ dusgadh suas chuimhe air na laithean a chaith e na ’m measg an uair a bha a shonas aig airde.” DOL THAIRIS AIR A MHUIR RUAIDH. Dh’fhastaidh easbuig a bha uair-eigin ann am Bail-ath-cliabh dealbhadair gu dealbh a dheanamh air son a bhi ’n crochadh ’s an eaglais. Bha ’n dealbh gu bhi sealltuinn nan Israelach a dol thairis air a Mhuir Ruaidh. Rinneadh an dealbh agus chrochadh i ’san eaglais, ’s i air a comhdach le cuirtein. Chruinnich sluagh mor ga h-amharc, agus bha iad a feitheamh gu foighideanach gus am biodh an dealbh air a leigeil ris. Ach feuch! nuais a thugadh an cuirtein air falbh, cha robh ni ri fhaicinn ach uisge. Thionndaidh an t-easbuig gu feargach ris an dealbhadair, agus thubhairt e: “Nach e dh’ iarr mi ort a dheanamh dealbh nan Israelach a dol thairis air a Mhuir Ruaidh?” “Tha sin gle cheart; ’se sin a rinn mi,” ars an dealbhadair. “Ach c’ aite ’m bheil na h-Israelich?” ars an t-easbuig. “Tha iad an deigh a dhol thairis,” ars an dealbhadair. “Seadh, ach c’ aite ’m bheil na h-Eiphitich?” “O, tha iad sin air am bathadh.” D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. TIGH ACADIA. [TD 35] [Vol. 1. No. 9. p. 3] AM FEAR A GHOID A MHUC. LE “FIONN.” Gun tuilleadh air no dheth, shocraich na seod gu’m bruidhneadh iad ri dha no tri de dh’oigridh a chlachain, agus gu’n goideadh iad muc Dhonnchaidh Thioram a tigh nan cairtean. Thainig Diluain; mharbh Donnacha Tioiram a mhuc, chroch e i an tigh nan cairtean, agus chuir e fios a dh’ionnsaidh Dhughail Ruaidh mar a gheall e. An deigh beul na h-oidhche, thainig Dughall Ruadh an taobh a bha Calum Taileir, agus goirid as a dheigh, thainig na seoid a bha dol leo a ghoid na muice, ’s iad cho ard inntinneach, agus toilichte, ’s ged a bhiodh iad a dol gu banais. An uair shaoil leo Donnacha Tioram a bhi na shuain chadail, thog iad orra gu seimh, socair, ghoid iad a mhuc a tigh nan cairtean, ’s thug iad i gu tigh an Taileir. “Ciod a ni sinn ris a bheisd mhoir, reamhar?” arsa Seumas Gobhainn. “Ciod” ars an Taileir, “ach a roinn air muinntir a chlachain mar is coir. Mur deig an spiocaireachd le Donnacha Tioram an t-seana chleachdadh ionmholta a chumail air aghaidh, ni sinne ge b’oil leis e.” “Gle mhath,” arsa Dughall Ruadh, “cha’n eil beul ’sa chlachan nach gabh dunadh le slios de mhuic-fheoil. Moire, ’s math a laidheas i air cuid aca ’n drasda fhein, ’s an t-amhlan cho gann.” “Tha thu ceart,” arsa Seumas beag nam breug, “’s math an glomhan aiseann de mhuic mhoir Donnachaidh Thioraim.” Cha robh tuilleadh air; chaidh closach na muice a ghearradh ’na piosan, agus a rionn, an oidhche sin fein, air teaghlaichean a chlachain, agus an earaileachadh gun diog a ghabhail orra gu’n d’fhuair iad a leithid. An uair a bha mhuc roinnte, chaidh na seoid dhachaidh gu modhail, siobhalta. Aig bristeadh na faire, mu’n do bhlais an t-eun an t-uisge, dh’eirich Donnacha Tioram agus a mhac a chuir na muice am falach mu’m biodh duine ’sa chlachan air an cois. Ged a bha mac Dhonnachaidh cho crion, spiocach, ri athair, cha robh e idir toilichte bhi air a dhusgadh am meadhon na h-oidhche mar so, ’s ged a dh’eirich e, cha robh e idir fonnar. An uair a dh’fhosgail iad doras tigh nan cairtean, cha robh a mhuc ri faicinn. “Leth na truaighe” arsa Donnacha Tioram. “Thainig an fheala-dha gu da-rireadh. Tha mhuc air a goid gun teagamh. Co air an t-saoghal a dheanadh so?” “Nach deanadh na ceaird, a tha ’san uaimh mhor.’ arsa Donnacha og; cha’n e h-uile latha gheibh iad cothrom cho math.” “Clann an fhir ud,” arsa Donnacha Tioram, “bheir mise orr’ e,”—’s shin e as gu uaimh nan ceared, a bha leth-mhile air falbh, ’s air leis gu robh faile cubhraidh muic fheoil roiste air a ghiulain air oiteig na maidne. An uair a rainig e an uamh, ’s e na fhuil ’s na fhalus, cha robh aig ach an gad air an robh ’n t-iasg,—cha robh ceard no bana-cheard ri fhaotainn air urlar na h uaimh,—’s b’fheudar dha tilleadh dhachaidh mar a thainig e,—gu muladach, aimhealach. Cha b’fhada gus an do rainig e Dughall Ruadh. “Am bheil thu gu cridheil an diugh, a Dhonnachaidh,” arsa Dughall Ruadh. “’S mi nach eil” arsa Donnacha Tioram; “nach deachaidh a mhuc a ghoid.” “Sin thu, Dhonnachaidh, cum thusa sin a mach,” arsa Dughall. “Air m ’fhacal gu’n deachaidh a goid,” arsa Donnacha. Dughall,—Sin thu rithist; boidich thusa sin, ’s creididh daoin eil thu. Donnachadh,—air m’fhacal fhirinneach gu’n deachaidh a goid. Dughall,—Dhuine, dhuine, ’s briagh theid agad air cuir-mar-fhiachaibh; fhaic thu, chreidinn fein do sgeul mur biodh fhios agam air atharrach. Donnachadh,- An e nach eil thu ga m’ chreidsinn; cho cinnteach ’sa tha mi beo gu’n deachaidh a goid. Dughall,—Nach briagha, nadurra, thig na breugan duit; cum thusa sin a mach, ’s creididh a h-uile duine thu. Donnachadh,—Nach neonach thu; a Dhughaill. Cho fior ris a bhas gu’n deachaidh a mhuc a ghoid leis na ceaird. Dughall—Nach briagha laidheas a bhreug air na ceaird. Co nach creid thu a nis? Cha’n eil teagamh nach robh ceard no dha nu ghoid na muice. Donnachadh,—Cha’n eil feum a bhi bruidhinn riutsa, cha chreid thu an fhirinn, smior na firinn. Latha math dhuit. Le so a radh, dh’fhalbh Donnacha Tioram dhachaidh ’s cha robh e idir toilichte. Chunnaic e nach robh feum a bhi bruidhinn ris a ghreusaiche mu ghoid na muice, ’s ged nach do leag e riamh amharas air Dughall Ruadh, bi’dh latha ’s bliadhna mu’n gabh e chomhairle a rithist. Tha mi toilichte ’chluinntinn gu bheil an t-seana chleachdadh air a cumail air chois anns a chlachan fhathast, agus an uair a bhios fonn dannsaidh air an orgridh, ’sa ghleusas Calum Taileir,—sean ’s mar a tha e,—an fhiodhal, no thoisicheas Dughall Ruadh air canntaireachd, ’s e so am port a’s docha leo ghleusadh,— “Dh’fhalbh mi fhein ’us ceathrar ghillean, Dh’fhalbh mi fhein ’us ceathar ghillean, Dh’fhalbh mi fhein ’us ceathra ghillean, Ghoid na muice biadhta. Ghoid sinn i am beagan uine; Roinn sinn i ri solus cruisgean; Bha i reamhar mar an t-uilleadh; Fhuair sinn cunnradh ciatach.” Is tric gus an latha ’n diugh, nuair a tha sgeul fir sa bith air a chuir an teagamh, a gheibh e mar achmhasan,—“Cum thusa sin a mach, mar a thuirt am fear a ghoid a mhuc.” Tha’m beagan thighean a dh’fhagadh gun losgadh ann an St. John’s air an domhlachadh le sluagh, agus tha mal air eirigh gu math ard. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar —BHO— C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor fuar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. [TD 36] [Vol. 1. No. 9. p. 4] NIGH’NN DONN A CHUIL REIDH. AIR FONN—“Willie’s on the Stormy Sea.” Eh ho ro mo nigh’n donn, Eh ho hu mo nigh’n donn, Eh ho ro mo nigh’n donn a chuil reidh, Ribhinn og a bha rium Raoir a comhradh gu ciuin, Tha mo chridhe ’n diugh trom as do dheigh ’Se do chomhradh, a ruin, Cainnt a’s ceolmhora leam Na guth smeoraich an dlu’choill nan craobh, Na bog-thorman nan allt Tigh’nn o airidh nan gleann ’S mi sa mhoch-mhaduinn shamhraidh ri’n saobh. Tha do nadur, a luaidh, Caoimhneil, cairdeil gun ghruaim, Gu h-e h-ailleachd thug buaidh air gach te; Dh’eireadh m’ aigne le sunnd ’Nuair a choinnicheadh tu rium, ’S chuirinn failt air nigh’n donn a chuil reidh. Gur a guirme do shuil Leam na’n dealt air an driuchd ’Nuair a dhearcas tu ruin orm gu caomh; Gu bheil maise mar noin Chuireadh sgaoileadh air bron Ann ad chruth; ’s b’e mo dheoin ’bhi ri’d thaobh. Tha gnuis alluin gun ghruaim, Tha gun ailgheas, lan stuaim, ’S pearsa dhireach, dheas, uallach a’n falbh, Air am boidhche thig gun Anns an fhasan a’s uir’, Aig a ribhinn a’s cuirteil an dealbh. Tha do chairdeas gle dhluth Ris na h-aileagan ur ’Bhiodh ’s na blair feadh nan duthchanan thall:— ’S tric a bhuanaich iad cuis Ann a’ fabhar a Phrionns’, ’S cha bhiodh onair an duthcha air chall. ’Nuair a chit’ iad air sliabh, Bu ro-bhoidheach an triall; ’S gu’m bu shuaicheantas riamh dhaibh ’s gach am, Long, ’us leoghann, ’us craobh, ’S an lamh-dhearg air an taobh. Bradan tarraigheal, ’us fraoch glas nam beann. Nam biodh beairteas dhomh buan, Rachainn sgriob thar a’ chuain Do’n Roinn-Eorp’leat a luaidh nan deagh bheus; ’S ann an duthaich nan sonn Bhiodh daoin-uaisle le fonn A cuir failt air nign’n donn a chuil reidh. ’S math thig faineachan oir Air na meoir sin a’s boidhch’ ’Sa bhios tric ann an seombar ri gleus, Tha do ghruaidh mar an ros; Cha’n eil uaill ann ad nos; ’S gur leat seusar gach seol agus beus. ’Siomadh cliu th’ air do ghnaths, A nigh’n donn na suil bhlath;— Tha do shnuadh ann an aillead mar ghrein, Mar an fluran a’ fas Ann an gleann ’sam biodh blaths No mar Venus an airde nan speur. Gur e caoimhneas do chainnt A chuir bruaillean am cheann ’S cha’n eil fuasgladh ach gann dhomh fo’n ghrein: Cha’n eil leigh da mo chradh Air an t-saoghal so mhain A migh’ donn nan sul blath, ach thu fein. C. Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 baraile Fluir, 100 baraile Min Choirce, 10 baraile Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnainn. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig-mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 37] [Vol. 1. No. 10. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 30, 1892. No. 10. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. Cuir a dh’ iarraidh an Mhac Talla. Cha’n eil e cosg ach leth-dolar ’sa bhliadhna. ’S e ’n aon phaipear Gailig a tha ’n Canada. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chuir sianar dhaoine am Port Hawkesbury leth-cheud dolair gu St. John’s airson cuideachadh leis an fheadhain a chaill an cuid leis an teine. Tha Iain Allan, a dh’fhag Montreal o chionn da mhias no corr, le bean fir eile, an drasd ann an San Francisco. Tha e fein ’s a choimh-leabach a fuireach ann an aon de na tighean a’s fasanta tha ’sa bhaile. Tha fios a Montreal ag radh gu bheil gual Cheap Breatuinn a reic gu math anns a bhaile sin. Tha moran guail a tighinn a Alba ’m bliadna ach a dh’aindeoin sin tha gual an eilean so a reic na’s fhearr na bha e ’n uiridh. Air eagal gu’n tig an Colera do na Staitean, tha Run-chleireach an Ionmhais (Secretary of the Treasury) an deigh ordugh a thoirt do luchd-togail na cuspuinn, gun luchd-imrich as a Fhraing a leigeil air tir. Sguab stoirm eagalach thairis air Manitoba air oidhche Di-Domhnaich so chaidh. Ann an iomadh aite chaidh tighean agus saibhlean a leagail na’m piosan, agus uidheaman a mhileadh. Chaidh aon duine ’mharbhadh, agus moran a ghoirteachadh. Thainig an Soitheach-smuid “Baile Pharis” thairis air an Atlantic, bho Queenston, an Eirinn, gu New York, ri coig latha, coig uairean deug, ’s da fhichead mionaid ’s a h-ochd deug. Bha so na bu luaithe na rinneadh an t-astar riamh roimhe. Tha muinntir St. John’s ag obair air am baile thogail a rithist. Cha’n eil duine nis gun fasgadh aige de sheorsa eigin. Tha airgiod, biadh, ’us aodach a sior dhol d’an ionnsaidh as gach aite. Fhuair iad corr ’us da fhichead mile dolair s Sasuinn cheana. Dh’fhag an soitheach cogaidh Frangach, ‘Arethuse’ acarsaid Shidni maduinn Diluain. Tha i dol a thaghal aig Cuebec ’us Montreal, agus bi’dh i air ais aig Sidni a rithist an September. Tha muinntir Shidni Tuath ag radh gu robh an ’Arethuse’ a sealltuinn gle bhoidheach a dol seachad fo lan sheol. Tha Prionnsa Bismarc, a bha aon uair na dhuine cumhachdach anns a Ghearmailt, ach a chaill oifig o chionn bliadhna no dha, ri bruidhinn ard an aghaidh an Iompaire agus an luchd-riaghlaidh. Tha ’n t-Iompaire gu glic a leigeil leis a bhi bruidhinn, gun dragh sam bith a chuir air, an duil gu sguir e ’nuair a dh’fhasas e sgith. Tha Seanadh nan Staitean Aonaichte a runachadh gu’m bi Feill an t-saoghail, ann an Chicago air an ath bhliadna, duinte air Di-domhnaich, agus nach bi deoch laidir de sheorsa sam bith air a reic. Mur gabh luchd-riaghlaidh na feille ris na cumhachan sin, bi’dh deich muillean dolair, a bha air a ghealltainn dhaibh, air a chumail air ais. Tha ’n luchd-ceartais an Orillia, Ontario, a rannsachadh a thaobh bais gille og, da’m b’ainm Badgerow a fhuaireadh an crochadh ann an sabhal o chionn ghoirid. Tha iad a deanamh a mach gun deachaidh gabhail air gus an robh e marbh agus gu’n robh e a’n uair sin air a chrochadh air rop mar gu’n tigeadh e ri bheatha. Tha cuid de ne nabuidhean ag innse gu’n cual iad an gille ag eigheach mar gu’m b’ann le cradh, an la fhuaireadh an corp. B’e Di-Mairt so chaidh an latha bu teotha dh’fhairich muinntir New York ’us Bhoston o chionn aon bhliadhna deug. Bha teas cho mor anns na bailtean sin ’s gu robh daoine, eich, ’us coin a basachadh na’m ficheadan. Bha na daoine bochda gu h-araidh a fulang moran leis cho domhail sa tha na tighean aca. Bho dheich uairean ’sa mhaduin gu da uair feasgar cha mhor gu robh duine ri fhaicinn air sraidean New York. Cha robh neach a gluasad mur b’fheudar dha. Aig Palmont, air Galldachd na h-Alba, feasgar Di-Mairt so chaidh, chaidh Seumas Friseal, cleireach banca, a stigh do thigh nabuidh agus ghabh e dha le claidheamh gus an robh e marbh. Thoisich e on sin air bean an duine agus leon e ise cho dona ’s nach bi i beo. Thachair nighean og air air an t-sraid agus mharbh e i leis an arm cheudna. Rugadh air mu dheireadh agus chuireadh an sas e. Cha’n eil teagamh nach eil an duin’ as a cheill. [TD 38] [Vol. 1. No. 10. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 30, 1892. Tha na Staitean Aonaichte dol a dheanamh dioghaltas air Canada airson a bhi marbhadh nan ron ann an Cuan Bheering. Areir barail luchd riaghlaidh na duthcha sin ’s leis na Staitean a h-uile ron ’us iasg eile theid uair no uair eigin faisg air an cladaichean, gu h-araidh ma’s ann an sin a bhios iad a tarmachadh nan iasgaibh oga. Tha eileanan airidh an Cuan Bheering aig am bi na roin a tarmachadh a h uile bliadhna. Buinidh na h-eileanan so do na staitean, agus a chion gu’m buin, tha iad an duil gu’m buin na roin dhaibh mar an ceudna. Tha iad uime sin, ag radh nach eil coir aig iasgairean Chanada no aite sam bith eile na roin so a mharbhadh, ged gheibheadh iad iad ceudan mile bho na h eileanan so. Cha’n eile iasgairean no luchd-riaghladh Chanada ag aontachadh ri so idir. Tha iad a deanamh gu bheil coir aca air iasg sam bith a mharbhadh, ma bhios iad tri mile bho thir, agus tha moran shoithichean a Canada gach bliadhna a marbhadh nan ron anns a chuan sin ged a tha na staitean a feuchainn ri bacail a chuir orra. Cha’n eil ach beagan sheachdainean bho’n chaidh soitheach a Canada a ghlacadh le soitheach cogaidh as na Staitean. Tha luchd riaghlaidh nan Staitean an drasda, mar dhioghaltas air Canada, a chionn nach cum i cuid iasgairean aig tigh mar ba choir dhi, dol a dhunadh uisg-shlighe (canal) araidh air a soithichean air choir ’s nach fhaod iad a dhol taoimhe gun cis ard a phaigheadh. Ri so tha Canada ag radh gu bheil i coma co dhiu, gu’n dean a chis sin banachd cron air na Staitean fhein. Tha na Staitean gu bhi taghagh Ceann-suidhe air an fhoghar so agus tha moran dhe’n t-sluagh aig nach eil gradh sam bith do Chanada. Cha’n eil teagamh sam bith nach ann air son na bhotaichean aca so a ghlacadh a tha ’n lagh so air a dheanamh. Tha e na aobhar dochais gu’m bi na cuisean so air an cuir air doigh an uine ghoirid agus gu sguir na Staitean agus Canada dhe bhi na’n droch nabuidhean. Tha “Donnachadh” ag ionndrain nach eil e faicinn dad bho pheann “S A.” air Tir Mor, anns a MHAC TALLA. Faodaidh sinn a radh nach e Donnachadh leis fhein a tha ’g ionndrain sin; tha sinn fein agus moran d’ar leughadairean ro dheigheil air bhi cluinntinn bho’n duin-uasal sin, a tha na shar sgriobhadair agus na fhior Ghaidheal. Tha “Donnachadh” mar on ceudna a moladh litir an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, agus bu mhath leis a bhi clunntinn uaithe na bu trice. Bha connspaid uair eigin eadar Caimbeulach ’us Leathaineach mu dheibhinn co an fhine bu shine. Cha chluinneadh an Leathaineach gu robh na Caimbeulaich cho sean ri chinneadh san idir, oir bha e ’g radh gu robh iad ann bho thoiseach an t-saoghail, Bha eolas math aig a Chaimbeulach air eachdraidh a Bhiobuill, agus dh’fheoraich e an robh Clann-Leathain ann roimh ’n dile. “An dile! Gu de ’n dile bha sin?” arsa Mac-a-Leathain. “An dile,” ars an Caimbeulach, “a bhath gach neach a bh’air thalamh ach Noah ’s a theaghlach.” “O bhurraidh, thu fein ’s do dhile! Bha mo chinneadh ’s ann fada roimh ’n dile,” arsa Mac-a-Leathain. “Ma ta cha do leugh mi riamh gu’n deachaidh aon diubh a steach do’n airc aig Noah,” ars an Caimbeulach. “Airc Noah!” arsa Mac-a-Leathain. Cha robh iad an taing Airc Noah! Co chuala riabh mu dhuine dhe mo chinneadh-sa aig nach robh bata dha fhein?” B’fheudar do’n Chaimbeulach leigeil leis. D. Bha teintein a deanamh call mor air an eilean so air an t-seachdain so chaidh. Bha moran coille air a losgadh, agus aireamh de thighean ’s de shaibhlean air an call. Chaill Padruig O’Connel, faisg air Sidni, tigh-comhuridh, agus fear, Cossitt, muillean-sabhaidh. Bha na meinadairean aig an Reserve a cathachadh an teine fad thri laithean. ’S fhada bho nach robh an t-eilean so cho feumach air uisge ’sa tha e aig an ann so. Tha gach ni a tha fas air tiormachadh suas leis an teas. Bha coltas uisg’ air an speur o chionn seachduinn ach cha do shil a bheag fhathast. Tha frasan briagha ann an diugh, agus ma leanas iad, ni iad feum mor do’n duthaich. Tha moran de na tuathanaich teann air bhi ullamh dhe’n fheur. Tha Iompaire na Gearmailt air chuairt anns a Mhuir Thuath, a ruith nam mucan marra. Tha ’m barr gu bhi anabarrach math ann am Manitaba air an fhoghar so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 39] [Vol. 1. No. 10. p. 3] EILEAN LEODHAIS. A chiall nach mise Bha’n Eilean an Fhraoich, Nam fiadh, nam bradan, Nam feadag, ’s nan naosg; Nan lochan, nan oban, Nan osan ’s nan caol— Eilean innis nam bo, ’S aite comhnuidh nan laoch. An t-Eilean ro mhaiseach, Gur pailt ann am biadh; ’Se Eilean a’s aillt’ air ’n Do dhealraich a ghrian; ’S e Eilean mo ghraidh-s’ e, Bha ’Ghailig ann riamh; ’S cha’n fhalbh i gu brath Gus an traigh an cuan siar! Na’m faighinn mo dhurachd ’Se ’lugainn bhi og, ’S gun ghnothuch aig aois rium Fhad ’s a dh’fhaodainn bhi beo, Bhi ’n am bhuachaill’ air airidh Fo sgail nam beann mor, Far am faighinn an cais’ ’S bainne-blath air son ol. Cha’n fhacas air thalamh Leam sealladh a’s boidhch’ Na ’ghrian a dol sios Air taobh siar Eilean Leoghais; ’N crodh-laoigh anns a luachair, ’S am buachaill’ ’n an toir ’G an tional gu airidh Le al de laoigh og. Surd ort fhein a MHIC-TALLA. Gu ma fada bhios tu beo! Tha caraid domh fein ’us do MHAC-TALLA ag iarraidh orm naidheachd bheag a sgriobhadh mu Leodhas. Cha’n eil teagamh sam bith nach e Leodhas aite ’s Gaidhealaiche a tha air an t-saoghal. Feumaidh sibh mo leith-sgeul a ghabhail ma ni mi mearachdan nam’ sgriobhadh. Tha corr ’us da bhliadhna dheug bho nach do sgriobh mi a bheag de Ghailig, ’s tha eagal orm gu bheil meirg air a chrann agam; ach coma co dhiu, bheir mi an oidhirp. Ach c’aite ’n toisich mi? Mur dean mi mar a thubhairt an te a bha aig an t-seisean, “Toisich far n’ do sguir am maighstir sgoile.” Faodaidh sibh fein fhaotainn a mach c’aite ’n do sguir am fear sin. ’Siomadh oidhche a chuir mi seachad air cheilidh bho choig uairean ’s an fheasgar gu meadhon-oidhche. ’S iomadh latha briagha samhraidh a chuir mi seachdad air an airidh. B’iad sin na laithean toilichte! An deigh togail a bhuntata agus an tigh a bhi air a thudhadh agus an ullain a bhi air gabhail uimpe, cha chuireadh uisge, sneachd, no reodhadh a gheamhraidh, moran bruailean oirnn. Bhuineadh mi fein do Dhail-O-Dheas, agus is tric a chaidh sinn si oidhche gheamhraidh do Dhail-O’-Thuath a dh’eisdeachd ri Aonghas Guinne ri innse naigheachdan na Feinne. Thoisicheadh Aonghas coir ri naidheachd na Feinne mu choig uairean feasgar agus cha’n fhairicheadh nach an uine dol seachd gu da uair dheug. Bha Aonghas Guinne ceud bliadhna mas do chaochail e, agus cho fada ’s bha comas aig a theanga a dhol mu’n cuairt, cha sguireadh e dh’innseadh naigheachdan na Feinne, nuair a bhitheadh neach ann a dh’eisdeadh ris. Cha robh pears-eaglais riabh ann an cubaid na bu dileas ri ’g innseadh naigheachd ghloirmhor an t-shoisgeil na bha Aonghas coir ri ’g innseadh cliu Fhinn, agus Oisein, agus righribh Lochluin aig an robh coir air Leodhas aon uair. Cha robh Aonghas coir a dol gle thric do’n eaglais, agus cha robh mor speis aige do mhinisteir, eilteir no ceisteir. Chaidh an ceisteir aon uair a cheilidh air Aonghas agus thoisich e ri innseadh dha ni nach cual’ e riabh roimhe. Thuirt Aonghas coir ris nach robh e creidsinn facal de: “oir,” ars esan, “na’m biodh sin mar sin, bhitheadh fios aig m’ athair air, am fear aig an robh fios air a h-uile rud. Cha chuala mi m’ athair riamh a toirt iomradh air a leithid.” Cha robh math sam bith innseadh dha gu’n robh e anns a Bhiobull. Cha chreideadh e gu robh neach sam bith na b’ fhiosraiche na athair. Ann am beachd Aonghais ’se di-ceille a bhith’dh air duine sam bith nach toireadh aire mhath dha fein ’nuair a bhith’dh e ag innseadh sgeulachd na Feinne. Tha cuimhne agam aon oidhche gu robh fear de na gillean ri ceilidh air, nach robh toirt aire gle mhath do’n t-sheanchas. Stad Aonghas agus dh’fheoraich e an robh an gille ud ciallach. Thuig aon de na gillean eile ciod a bha cuir dragh air Aonghas, agus tharruing e nall faisg air ’s thuirt e ris gu robh iad a cuir umhail mhor air bho chionn fhada. An uair a chual Aonghas so tubhairt e,—“Oh, an gille bochd, is mi fhein tha duilich air a shon.” Rinn so spors mhor do na balaich uine fhada na dheigh so. Tha eagal orm gu bheil mo naigheachd ro fhada agus feumaidh mi criochnachadh aig an am so. TORMOID. Montreal, Iulaidh 20mh., 1892. Air an ochdamh la deug de dh’Iun, chaidh cu a ghlasadh a stigh ann an tigh air an robh daoine ’g obair ann an Toronto. Rinn na daoine so gun fhios daibh, agus cha d’fhosgladh an tigh gus air an t-seachdain so chaidh. Fhuaireadh an cu bochd an sin se fhathast beo an deigh a bhi na thrasg da fhichead latha sa dha. Thoimhseadh e ceud punnd an la chaidh a dhunadh a stigh, agus ’nuair a fhuair e ma sgaoil cha robh air fhagail dhe ach ceithir puinnd fhichead. Cha robh ann ach an craicionn ’s na cnamhan, ach tha e nis gu bhi cho math sa bha e riamh. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER., Sidni, C. B., Mai 26, 1892. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 40] [Vol. 1. No. 10. p. 4] BEALACH-NA-BEISTE. Le Mairi nighean Iain Bhain, ’s an Eilein Sgiathanach. Luinneag:— Dh’fhalbh mi fhin ’s mo thiuir le cheile, ’S dhirich sinn Bealach na Beiste. Dh’eirich sinn moch maduinn dhruchd ’Us thug sinn biadh leinn ann an sgulan, ’S mo chuid oganach cho sunndach, Gearradh shurdag thar gach feithe. ’Nuair a rainig sinn bonn a Bhealaich, Bha sinn air lochrach le fallus. ’S ged a bha mo cheann mar chamach, B’fhearr leam fannachadh na treigsinn. Nuair a dh’fhairich sinn an t-acras, Chuir sinn cuibhrig air na clachan, Dh’iarr sinn beannachd air na bh’againn Thug e neart dhuinn ’s rinn sinn eirigh. Gu bheil corr ’us leth-cheud bliadhna Bho nach deachaidh neach ga fhiachainn, ’S thuirt gach neach a chual an sgiala, “Leig i’n t-srian le dith na ceille.” ’S ’nuair a sheall mi air mo chulaobh ’S leth-cheud aitheamh air gach taobh dhomh Bheirinn miltean ged bu leam iad Gun robh ’n triuir air bharr an t-sleibhe. ’N uair a chunnaic mi mar bha sinn, ’S gu’n d’fhuair sinn slan as a’ ghabhadh, ’N uair a rainig sinn gu h-ard, Gun thog sinn carn na Ebeneser. Do shliochd Shasuinn bheir sinn dulan, A thoirt cnaimhe dhaibh fo’n culaig Bhois na athais air an duthaich Fhad ’s bhios Crun ann an Dun-Eideann. Mile gini ruibh mar chumhnant, ’S theid a phaigheadh dhuibh le dhubladh, Ma thig baintighearn as ’ur duthaich A ni ’n turn ud as mo dheigh-sa. Ghaidh orain Mairi nighean Ian Bhain a chuir a mach an uiridh. Tha i fhathast slan, fallain, ged tha i coir ’us tri fichead bliadhna ’s a deich a dh’aois. Chaidh Seoras Johnson, duin og mu choig bliadhna fichead a dh’aois, a bhathadh an acarsaid Phictou Di-Mairt. Bha e fhein ’s a bhrathair ag obair air bord luinge. Dh’fhag a bhrathir e mu aon uair deug, ’s chaidh e gu obair eile. ’Nuair a thill e bha ad a snamh air an uisge. Rannsaicheadh air a shon agus fhuaireadh an corp anns an uisge. Tha e coltach gu’n tainig tuisleadh eigin air agus gu’n deachaidh e thairis. Cha b’urrainn da snamh agus chaidh a bhathadh. Dh’fhag e bean og agus aon leanabh. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson, tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 41] [Vol.1. No. 11. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 6, 1892. No. 11. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. Cuir a dh’ iarraidh a’ Mhac Talla. Cha’n eil e cosg ach leth-dolar ’sa bhliadhna. ’S e ’n aon phaipear Gailig a tha ’n Canada. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chuir baile Arichat da cheud dolair gu muinntir St. John’s. Phos ministear an Truro caraid an la roimhe agus an uair a thug e lamh air a phaigheadh, de bh’aige ach bann da dholair ann nach robh feum sam bith. Ghlacadh tri fichead baraile de dh’uisge beatha ann an uaimh Bouchard, air amhuinn St. Lawrence, agus chaidh am fear a bha ’ga dheanamh ’s ’ga reic a chuir an greim. Tha sinn a cluinntinn gu bheil a bhreac gle phailt ann a’ Victoria, B. C., agus tha e cunnartach gu’n sgaoil i do bhailtean eile. Tha e fior dhoirbh cur as do’n easlaint sin ris an t side theth so, Tha lagh ur aca an Eilean a Phriunnsa a thaobh reic na deoch laidir. Aon latha deug an deigh an lagh sin a dheanamh chaidh ceud dolair do chain a chuir air Tearlach Mac ’Ille Mhaoil an Charlottetown air son a bhi reic-gu mi-laghail. Tha paipearan Ontario ag rach gu’m bi ’n cruithneachd air an fhoghair so air thoiseach air mar a bha ’e anns an duthaich sin riamh roimhe. Mu’n fheur, tha iad ag radh nach robh e riamh na bu truime, agus tha ’n coirce mar a’s abhaist da. Thuit Deorsa Lorkedaroff marbh ann an stor-amhlan an Charlottetown, an la roimhe. Thainig e fein sa phiuthar a stigh do n bhaile ann an carbad agus a reir coltais bha e na dheagh shlainte. Chaidh e stigh don stor ’s rinn e beagan bruidhinn ris a cheanaiche agus an tiotadh thuit e marbh. Tha fios a St. John’s, Newfoundland, ag radh gu’n deachaidh neach-eign a stigh do phairc anns an robh eich a bhuineadh do O’Brien, am fear leis ’m bu leis am sabhal anns ’n do thoisich an teine, agus ghearr e na teanganan asda. Cha’n eil fhios co rinn an gniomh bruideil so, ach tha muinntir a bhaile a feuchainn le’n uile dhichioll ri fhaighinn a mach. Tha iad a deanamh gur h-ann mar dhioghaltas air son an teine thoiseachadh na ’shabhal a rinneadh e. Tha aon duin eile air fas sgith de bheatha ’sa dol a dh’fheuchainn ri dhol thairis air an Atlantic am bata beag, deich troidhean a dh’fhad. ’Se ’n duine sin Caiptean Andrews am Boston, agus dh’fhag e ’m port sin air an 21mh la dhe’n mhios a chaidh. Tha eilean ris an abrar Eilean Mor Sangir, mu letheach eadar Asia ’us Australia. Tha e na aite tiorail, beairteach, agus tha ’n sluagh an tomhas mor air an callachadh. Air an 7mh. la de dh’ Iun, thoisich beinn Gunong Aroo air bruchdadh a mach teine agus luaithre. An deigh sin thoisich crith-thalmhain agus tha’n t-eilean boidheach sin an diugh na fhasach. Cha’n eil rian air na chaidh a mharbhadh. Tha sinn ro dhuilich a chluinntinn gu’n do bhathadh an t-Urr Raonal Mac Gillebhrath, Sagart Arasaig. Bha e na chleachdadh aige bhi dol a shnamh uair no dha ’sa latha, re teas an t-samhraidh, riamh bho’n thainig e gu Arasaig. Maduinn Dior-Daoin, air an t-seachdain so chaidh, chaidh e da’n uisge mar a b’abhaist da. Mu leth uair na dheigh sin chunnacas a chorp air an uisge. Tha e coltach gu’n do bhuail greim e a thug luths a lamhan ’s a chasan uaithe air chor ’s nach b’urrainn da e fein a chumail an uachdar. Bha e na dhuine foghlumaichte, geur-chuiseach, ’s air an robh meas mor aig a shluagh, ’s aig na h-uile bha eolach air Bha e na fhior Ghaidheal, aig an robh gradh mor do thir agus do chainnt aithrichean. Sheol an soitheach smuid Newfoundland a Montreal, Di-Sathairne so chaidh, le fiach coig mile fichead dolair de bhathar gu muinntir St. John’s. Eadar airgiod ’us bathar, tha Montreal an deigh coig mile deug thar fhichead dolair a chuir gu muinntir a bhaile sin. Tha fios a St. John’s fhein ag radh gu bheil corr ’us seachd mile pearsa air an campachadh ann an aon phairc mhoir, gun rian no ordugh. Cha’n eil biadh no aodach gann aca. Tha na saighdearan air na sraidean daonnan a feuchainn ri riaghailt a chumail am measg an t-sluaigh. Bha cuid de’n t-sluagh a toirt ionnsaidh air teine chuir ris a bheagan thighean a dh’fhagadh roimhe, agus tha cuid diubh ’sa phriosan air son sin. [TD 42] [Vol. 1. No. 11. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a’ bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 6, 1892. So beagan fhacail a tha ar caraide Domhnul Mac Erais a cuir thugainn maille ri ainmean agus airgiod sia no seachd de ghabhaltaichean.—“Suas am bruthach le MAC TALLA. ’Se so lan dhurachd na’m beagan Ghaidheal a tha an diugh ann am Baile-nan-Gaduichean. ’Se sin an t-ainm boidheach a tha againn air Pentanguishene. Oir a reir ar beachd fein, “Tha ’n gunna cosmhuil ris an urchair.” Tha Mr. MacErais ’us feadhain eile ’g iarraidh na ceud aireamhan de’n MHAC TALLA ’chuir g’an ionnsaidh, ach cha’n urrainn duinn sin a dheanamh; tha na h-aireamh-an sin air teirgsinn ach aon no dha a dh’fheumas sinn a ghleidheadh air ar son fein. DAIL-AN TOBAIR, EILEAN A PHRIUNNSA.—29mh Iulai, 1892. Fhir Dheasachaidh choimh: Fhuair mi MAC-TALLA agus gu dearbh ’se bheatha. Ged tha mise sean agus mo radharc a dol air ais, thug e togail mhor do m chridhe bhi faicinn na Gailig a togail a cinn. Ged bhiodh agam sa h-uile cainain air thalamh, cha leiginn a Ghailig bhinn, bhlasda uam, a chainnt a fhuair mi air glun mo mhathar. ’Se tha ga’m chradh a bhi faicinn moran de na Gaidheil ’ga murt ’s ’ga marbhadh da’n deoin. Oir ged bhiodh an saoghal mu’n iadh a ghrian a feuchainn ri cuir as di, cha’ fhaigh i bas gus am marbh na Gaidheil i. Is iomadh duine ’bheir a bheannachd oirbhse air son a’ MHAC-TALLA. Mar a thuirt am bard coir.— “Ach buaidh ’us piseach air na laoich Tha seasamh air a sgath, Chaidh arach ann an tir an fhraoich, Ge sgaoilte ’n diugh an al; Ged chaidh an sgapadh air gach taobh, Cha chaochail sid an gnath, Cha’n fhas an eachdraidh lag le aois, ’S cha’n fhaigh a Ghailig bas. Duisg suas a Ghailig, tog do ghuth, ’S na biodh ort geilt no sgaig, Tha ciadan mile dileas dhuit Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’s a shiubhlas uillt le sruth, ’S bhuaileas tuinn air traigh, Cha’n aontaich iad an cainnt no’n cruth. Gu’n teid do chur gu bas.” Bho ’ur caraide dileas. M. L. LITIR A SAN ERANCISCO. Fhir-Dheasachaidh: Tha mi dol a sgriobhadh beagan fhacail a dh’innse dhuit cho toilichte ’sa tha sinn gu bheil MAC-TALLA tigh’nn ’g ar coimhead an so an California. Tha e mar gu’m biodh seann charaid a tighinn air cheilidh oirnn uair ’s an t-seachdainn, agus bhitheamaid gle dhuilich mur tigeadh e an latha bhiodh duil ris. Tha mi ’n dochas gu’m bi e na mheadhon air luchd na Gailig anns an duthaich sin a dhusgadh suas, oir tha mi smaoineachadh nach eil iad cho uailleil as an cainnt mhathaireil ’s bu choltach dhaibh a bhi. Thogadh mi fein an Ceap Breatuinn, ’s ged a dh’fhag mi e gle og, ’s ged tha mi an so chionn corr ’us deich bliadhna, labhraidh mi a Ghailig cheart cho math, no na’s fhearr na labhrainn i mu’n d’fhag mi ’n tigh, agus tha mi gle bhosdoil an diugh gur h-urrainn domh MAC-TALLA a leughadh. Na’n cuireadh sibh beagan aireamhan de’n phaipeir dh’ionnsaidh an fhir a tha mi cuir ainm thugaibh, cha’n eil teagamh agam nach faigheadh e gabhaltaichean dhuibh. Tha e tamh o chionn fhada ’n Columbia Bhreatunnach, agus tha e ro eudmhor a thaobh na Gailig. Bha e ’g iarraidh oirnne cuid de na paipearan againn fein a thoirt da, ach tha sinn ro mhiosail orra air son an toirt seachad do neach sam bith. Ach gheall mise dha gu’n cuirinn ainm thugaibh. Tha mi’n dochas gu’m bi MAC-TALLA beo iomadh la agus bliadhna. Ur Caraide Dileas, M. M. L. Tha fear-deasachaidh an Reporter an deigh bean a ghabhail da fein. Tha sinn an dochas gu’m bi saoghal fada aig ar caraid, agus gu’m bi a chuid sin de bheatha air thoiseach air cho soirbheachail sa bha chuid a chuir e seachad. Chruinnich Parlamaid Bhreatuinn Dior-Daoin. ’Se cheud ni ceann-suidhe a thaghadh agus na buill a mhionachadh a stigh. Di-Luain so tighinn bith’dh oraid na Banrigh air a liubhairt agus an sin toisichidh an cath eadar an da phairtidh. Tha e ro choltach gu’m bi e gu math teith eatorra. Chaidh Iain Domhnullach, an Catalone a ghoirteachadh gu dona o chionn da sheachdain. Bha e fein ’sa bhean a dol dhachaidh as an eaglais Di-Domhnaich, agus ghabh an t-each eagal, ’s thilgeadh iad le cheile as a charbad. Bhuail Mr. Domhnullach a cheann air an talamh chruaidh agus chaidh cuibhle ’charbaid thairis air aodann a mhna, a deanamh gearradh grannda. Tha Mr. Domhnulach gle iosal bho’n thachair so dha, agus cha’n eil moran coltais air gu’n tig e uaithe. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 43] [Vol. 1. No. 11. p. 3] NA CURRAICEAN-OIDHCHE. EADAR. LE MAC-MHARCUIS. Ann am Baile-na-drochaid, o chionn a nis moran bhliadhnaichean, bha a chomhnuidh duine fiachail, agus figheadair barraichte d’am b’ ainm Eoghan Mac-Cailein, agus a bhean, boirionnach utagach, tapaidh, a bha, ma dh’fhaodas sinn a’ radh, car beag tilgte ’n a doigh. Thuirt sinn gu’m b’ i an fhigheadaireachd a b’ obair do Eoghan, ach cha ’n ’eil sinn a’ ciallachadh leis a so idir duine aig a bheil ri saothrachadh le fallus a ghnuise air son cuibhrionn an latha a tha dol thairis air, agus a tha gu buileach ag earbsadh a obair a lamhon. Cha ’n eil idir. Bha Eoghan ’n a duine glic ’n uair bha e og, agus am feadh ’s a bha tuarasdail ard rinn e maorach ’n uair a bha an traigh ann; chuir e airgoid mu seach a dh’fheitheamh an latha fhliuich. Cha’n e mhain so, ach le cuid de thoradh a shaoithreach chuir a suas, aig a chosdas fhein, an tigh anns an robh e aig an am so a chomhnuidh—tigh beag, comhfhurtachail le garadh air an taobh-beoil anns am b’ abhaist de Eoghan ’fheasgair a chur seachad am measg nam flur ’s nan lus, anns an do ghabh e mor thlachd agus as an robh e ro uailleil. Ach cha robh tigh Eoghain leis fhein. Dhreach lamh ris bha tigh-comhnuidh Iain Mhic-Aindrea, a bha ach beag anns gach doigh ’n a leth-bhreac do thigh Eoghain Mhic-Cailein. Bha Iain fein anns an t-suidheachadh cheudna ri Eoghan—bha esan cuideachd ’n a fhigheadair agus air beagan a chur mu seach mu choinneamh am feuma, agus bu leis fein an tigh anns an robh e an drast a’ ciomnuidh. Chi sinn, mar so, gu’n robh Eoghan agus Iain ’n an dluth-chiomhearsnaich; agus uime sin bha am mnathan-posda ’n an dluth-choimhearsnaich cuideachd; ach cha d’ thuirt so gu’n robh iad idir cairdeil no ann an deadh run d’ a cheile. Bha an cridheachan lan gamhlais d’ a cheile—gamhlas a bha gu mor air a chumail suas le eud agus farmad a bha a’ lionadh an inntinnean, air eagal gu’n leigeadh an darna te leis an te eile barr a thoirt oirre ann an coltas soibhreis ann an ni sam bith a bhuineadh aon chuid d’ an dreach fein, no an tighean, no am fir-phosda fa leth. Na’ni faigheadh aon diubh ball aodaich ur, dh’fhaodteadh a bhi cinnteach gu’m faigheadh an te eile a cheart leithid, no na’m bu chomacadh e gu’n tugadh i barr oirre; bha an spiorad farmadach so air a nochdadh anns gach cuis a bhuineadh daibh fein ’s d’an tighean. Cha mho bha moran cridhealais eadar an da dhuine; oir, a thuilleadh air iad a bhi a’ cophairteachadh de mhi-run am mnathaibh-posda, bha aobhar-naimhdeis nach bu bheag eadar iad fein. Tha e coltach gu’n do chlach Iain Mac-Aindrea aig aon am tunnagan Eoghan Mhic-Cailein a lub a bha air an taobh-cuil, agus leth an rathaid eadar an da thigh; a’ tagair gu’n robh an lub an sin air son a thunnagan-san a mhain; agus ciod a thachair ach gu’n do leon agus mhill e drac briagh a bhuineadh do Eoghan. Mar bu dual do Eoghan, bha e fo mhor chorruich mu ’leithid de ghniomh neo-ghnetheil; agus a bharr air sin cha gheilleadh e air chor sam bith gu’n robh tuilleadh coir air tunnagan Iain air an lub na bha aig fheadhain fein, Chonnsaich na bodaich gu searbh, salach, agus is e bu deireadh gu’n deachaidh iad gu lagh; rud a chosd daibh mu leth-chiad punnd-Sasunnach am fear; agus is i a’ bhreth a chaidh a thoirt anns a’ chuis gu’n rachadh lub nan tunnag a roinn eadar riutha leth mar leth. Bha, uime sin, fuath uaigneach aig an dithis dhaoine d’ a cheile, ach cha robh gamhlas nam ban daonnan an uaigneas; agus bha bean Mhic Aindrea a’ h-uile buile cho smiorail ri Nic-Cailein, agus ’n a seise dhi air aon doigh ’g an gabhar iad. Thachair do bhean Eoghain Mhic-Cailein a bhi aon latha ag amharc a mach air an uinneig, agus faicidh i Iain Mac-Aindrea a’ sraidimeach anns a’ gharadh le currac-oidhche ur, stiallach, dearg air a chean. Cha luaithe chunnaic a suil so na chuimhnich i air an t-Seann churrac lachdunn a bha aig Eoghan aice-se, agus a bha, mar thuirt i rithe fein, “na bu choltaiche ri breid urlair na ri rud sam bith eile.” Chuir i riomhpe gu’m faigheadh i fear ur dha gun tuilleadh dalach—fear fada a b’fhearr na fear a coimhearsnaich. “Gheobhadh an duine aice-se currac o bhiodh uile dearg; rud moran a bu ghrinne’s a bu bhoidhiche na’m fear stiallach, mosach aig Iain Mac-Aindrea. Cha robh i ach goirid a’ gabhail mu chul a’ ghnothaich; thainig i gu seolta m’an cuairt air Eoghan, mar gu m b’ann a’ gabhail a chomhairle ach aig a’ cheart am a ceiltinn an aobhair air son an robh i cho deidheil air gu’m faigheadh e currac-oidhche ur; oir bha i lan chinnteach nach tugadh Eoghan bochd gnuis sam bith dhi ’n a leithid de chomh-fharpais fhaoin, amaidich. Coma-co-dhiubh, thog i oirre moch air madainn an ath latha, ’s rainig i am baile-mor a cheannach a’ churraic. Roghnaich i fear lasrach, dearg nach mor nach d’thug sealladh nan sul o Eoghan coir an uair a thill i ’s a sgaoil i mu choinnimh e. “A Sheonaid,” ars’ esan gu socharach, agus e gu tur aineolach air ciod a b’fhior aobhar do’n churam a bha a bhean a’ gabhail d’a chomhfhurtachd aig an am so—“a Sheonaid, air m’fhacal tha an currac boidheach da-rireadh,” thuirt e ’s e ’sparradh a laimhe suas anns a churrac agus ’g a chumail a mach mu ’choinnimh, ’s a’ dearcadh air le mor thoil-inntinn. “Mo riar, gu bheil e eireachdail,” thuirt e rithist, “agus theid mi an urras gu ’m bi e seasgair.” “Bidh e sin,” fhreagair Seonaid, gu buadhmhor. Agus cha mhor nach d’ thuirt i mar an cendna, “Nach mor is boidhiche e na fear Iain Mhic-Aindrea!” Ach leigeadh so a mach tuilleadh ’s a’ choir de na bha ’n a h-inntinn dhiomhair agus is ann a thuirt i, “Nis, Eoghain, a ghraidh, caithidh tu e mu na dorsan agus an uair a theid thu an gharadh. Cuiridh e dreach a’s coltas ort nach robh ort anns an loirein a tha thu ’caitheamh—is ann a tha thu na ’s coltaiche ri fuathaiche a bhiodh ann ann talamh-buntata, na tha thu ri duine Criosdail.” Rinn Eoghan feith-ghaire, ach cha d’thuirt e diog. (Ri leantuinn.) THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 44] [Vol. 1. No. 11. p. 4] MARBH-RANN, NO CUMHA SHAUIL AGUS IONATAIN. LE RIGH DAIBHIDH. 2 SAM. I, 19—27. Co-sheirm. Och nan och! us och mo leon! Och nan och! us och mo leon! Chaidh sgiamhachd Israeil ’s a ghloir A leonadh air na mullaichibh. O! ailleachd Israeil mo ghraidh, Chaidh lot gu geur air d’aitibh ard! O! ciamar thuit a sios gu lar Na h-armuinn a bha cumhachdach! Na h-innsibh ann an Gatt an sgeul, An Ascelon nan sraidean reidh Na cuiribh idir e an ceill, Mun dean iad leum le subhachas. Bhiodh aoibhneas agus sunnd gu luath, Air oighibh Philisteach nan gruag; An sliochd mi-chaomh a thoill am fuath Bhiodh ait le lua ghair iullagach. A Shleibhtean Ghilboa nan stuchd, Na tuiteadh oirbh-se fras no druchd, Na fasadh arbhar oirbh nas mu, Na cinneadh fluran tuilleadh oirbh. Oir sgiath nan cumhachdach ro threun Dhiobradh an sin gun mhath, gun fheum; Si targaid Shauil a thilleadh beum: ’Se fein mar neach neo-urramach. Bho shail nan treun, ’s bho fhuil nam marbh, Le gealtachd cha do thill air fabbh, Sar bhogha Ionatain bha searbh Air iarmad garg nan curaidhean. Us claidheamh Shauil an fhaobhair gheir, Gu falamh cha do thill bho ’n streup; B’e sud an claidheamh bu mhath gleus A ghearradh bheum gu fuileachdach. Bu ghaolach Ionatan us Saul, Bu taitneach iad ’nam beatha ghraidh; Us cha do sgaradh iad ’nam bas; Ach chaidh an caradh cuideachd ann. Oir b’ iadsan gaisgich threun nam buadh, A’ s tric a chuir air cach an ruaig, Bu treise iad na leomhainn chruaidh, ’S bu luaithe iad na iolairean. A nionagan nan leadan donn, A dh-iarmad Israeil nan thuigse ciall conn*, O togaibh suas le bron am fonn Mu righ nan sonn gu muladach. ’Se sgeadaich sibh le sgarlaid mhin, ’S a lion le h-aoibhneas ait ’ur cridh, S e dh’uigheamaich le h-oir ghreus grinn Bhur n-aodach riomhach, urramach. Och! ciamar thuit na feara treun, Na cumhachdaich an cath nan streup! O! Ionatain, a ghaisgich threin, Air aird nan sleibhtean dh’fhuirich thu! Ochoin! is mise th’ air mo chradh, Mu d’thimchioll, Ionatain, mo bhrath’r! Is tu bha taitneach dhomh gach la Us bha do ghradh dhomh iongantach. Bha ’n gaol a thug thu ’n tus dhomh glan, A tabhairt barr air gradh nam ban, Bho d’chridh’ ag eirigh ’s e gun smal, Gu dileas, leantach, bunailteach. Och! ciamar thuit na feara treun! Na gaisgich chumhachdach le cheil,’ Us ciamar bhris na lanna geur, ’Sa threig am feum gu buileach iad. D. B. B. *Tiugse ciall. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson, tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 45] [Vol. 1. No. 12. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an ’diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 13, 1892. No. 12. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. Cuir a dh’ iarraidh a’ Mhac Talla. Cha’n eil e cosg ach leth-dolar ’sa bhliadhna. ’S e ’n aon phaipear Gailig a tha ’n Canada. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha tuathanich Mhanitoba a toiseachadh air buain a chruithneachd. Tha ’n soitheach cogaidh Frangach Drac an acarsaid Shidni an drasd air a tilleadh a Newfoundland. Tha ’m feur gle aotrom air an eilean so am bliadhna. Ann am iomadh aite cha bhi e leth cho math sa bha e ’n uiridh. Chaidh muinlean sabhidh le Mr. Wilson na teine ann a Hogonah, oidhce Di sathuirne se chaidh. Bha da mhile dolair de dh’airgiod-urrais air a mhuilinn. Thainig Seumas Waters, a bha na shaor air an t-soitheach-smuid Cocunna, ri bheatha fein aig Montreal le e fein a bhathadh. Bha e tinn beagan laithean roimhe sin. Chaidh soitheach a ghlacadh aig Port Hawkesbury air son a bhi reic bathar air nach do phaigheadh cis. Leigedh ma sgaoil i an la roimhe an deigh ceithir ceud dolair de chain a phaigheadh. Ann an Texas air Di-domhnich so chaidh bha duine ’sa bhean ’sa cheathrar chloinne dol dhachaidh ann an carbad. Ghabh na h-eich eagal, agus theich iad; chaidh an carbad le creig agus mharbhadh an teaghlach gu h-iomlan. Chaidh Sir Richard Cartwright gle fhaisg air a bhathadh, faisg air Kingston, Di-sathairne so chaidh. Bha e mach le bata-seolidh, agus thainig oiteag gaoithe a chuir am bata thairis. Mur biodh daoin’ air tighinn ga chuideachadh gun dail, bha e air a bhathadh. Tha tailear ann an St. John an deigh e fein fhaighinn ann an trioblaid le bhi reic aodaichean ri daoine a tha tamh anns na staitean gun cis a phaidheadh. Ged a lean e air so car greis fhuaras a mach e ’s thig an t-slaightireachd gu math daor dha an deigh a h-uile rud. Oidhche Di-haoine air an t-seachdain so chaidh fhuaradh, Seumas Chapman faisg air Toronto agus gearradh oilteil air a cheann. Rinneadh gach ni air a shon ach an deigh sinn uile dh’eug e Di-luain. Beag-an uine mun d’fhuaradh e, bha e comhstri ri dithis mo triuir de dhaoin eile agus ’s ad sin, a reir coltais, a leon e. Air aon sraid ann an Lunnain tha suas ri sia fichead paipear-naidhachd air a chuir a mach. Tha h-aon deug dhiu so a tighinn a mach a h-uile latha. Thainig frasan mora uisge air an t-sheachdain so. Ged a thainig iad ro anmoch air son feum sam bith a dheanamh don fheur, ni e feum mor don bharr eile. Dh-fhaoidte nach bi an duthaich am bliadhna cho fad air ais sa tha sinn an duil. Tha Parlamaid Bhreatuinn na suidhe o chionn corr is seachdain ach cha do thoisich an cath ceart fhathast. Tha Gladstone a nis air a stiuir ’s tha ’n saoghal uile feitheamh feuch de cheud ni air an toir e lamh. Chan eil e coltach gum bi a pharlamaid na suidhe ro fhada aig am so, ach gu sgaoil iad an ceann beagan sheachdainean. Chaidh am fear a mhurt Steadman aig Moncton a thoirt gu mod Di-haoine, an 5mh la. Dh’ aidich e gu robh e ciontach ach thuirt e gun do loisgeadh an urchir le companach a bh’aige, ’s air nach d’ fhuaradh greim fhathast. Thug e suas gum be Robert Oslen a b’ainm dha, gun d’ rugadh e ann an Norway, agus gun danig a chuideachd do na Staitean o chionn fichead bliadhna. Bha e a leantuinn na mara riabh, agus bha e eolach an iomadh aite sna seann duchannan. Tha $750.00 de dh-airgiod cinn air a tairgse do neach sam bith a ghlacas a chompanach. Tha e mu dheich bliadhna fichead a dh’aois, coig laoidhean us seachd oirlich air airde, agus car dorcha san aghaidh. Tha e na aobhar dochais gum faighear greim air an uime ghoirid, ’s gun cuirear stad air an droch obair ris an robh iad. Tha Sir Deorsa Dibbs, Priomhair Nuadh Wales-a-Deas an Astralia, an drasd air chuairt an Canada. Bha e am Breatuinn agus bha duil aige dhol air ais an rathad a thainig e, ach tha e cho deonach air Raidean-Iaruinn Chanada fhacinn ’s gun danig e dh’aon sgriob gan sealltuinn. Tha Sir Deorsa dhe’n bharail gum bi Mor-roinnean Astralia ri beagan uine air an aonadh ri cheile mar a tha Canada. Tha Astralia an diugh mar bha Canada o chionn coig bliadhna fichead, air a deanamh suas de mhor-roinnean, gach aon dhiubh a deanamh air an son fein, ’s gun a deanamh dad de chuideachadh le cach. Tha’n t-am aig muinnitir Astralia na seann nithean sin a chuir seachad, agus a bhi aonaichte air chor ’s gum bi an duthaich a fas mor agus ainmeil ann an sealladh an t-saoghail uile. [TD 46] [Vol. 1. No. 12. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 13, 1892. Chan eil sluagh fo’n ghrein a dh’fhuiling uiread ana crartas anns a cheud bliadhna chaidh seachad ris na Gaidhil. Bi’dh e na mhasladh buan do Bhreatuinn mar a dheilig i riutha. ’Nuair a thig cruaidh chas sam bith air an rioghachd, ’nuair a bhristeas cogadh a mach an cearna sam bith dhe’n t-saoghal, ’siad na reiseamaidean Gaidhelach a chuirear a mach air toiseach ’sa ghreasair dh’ionnsidh a a chatha. ’S iomadh blar ann ’sna dhoirt “gillean na feille” fuil an cridhe a dion agus a cumail suas onair agus cliu an duthcha. ’S tric a ghleidh iad blar a bhiodh air a chall mur biodh iad ann. ’S tric a bhiodh Breatuinn iosal mur biodh gaisge nan Gaidhel. Agus gn dearbh ’s olc an dioladh a rinn i dhaibh air son sin uile. Nuair a thainig na Gaidhil dhachaidh a cogadh Napoleon, fhuair iad an iomadh aite “Na fardaichean nam fasach Far an d’araicheadh na seoid, Far an cluinnte fuaim an gaire,” Far ’m bu chairdeil iad mu’n bhord. agus an “cairdean ’s an luchd-eolais air am fogradh bhos us thall” Sin am paigheadh a thug Breatuinn do na Gaidhil air son an dilseachd dhi anns an am a chaidh seachad. Air leinn gu bheil an t-am aic aithreachas a dheanamh, agus am maslaeh so a sguabadh air falbh. Ma gheibh Gladstone air adhart cho math ’s bu mhath leis, chan eil teagamh nach bi laghanan air an dianamh a bheir ceartas na’s fhearr do na croitearan Gaidhelach na bh’ aca riabh roimhe. Tha e na ni comharichte gu bheil na croitearan na’s laidire sa pharlamaid aig an am so na bha iad fhathast; chuir iad an daoine fhein a stigh gun uiread ’s na h-uachdrain fhaoighnich. Chuireadh a stigh na daoine sin air chumha gun deanadh iad na dh’fhaodadh iad gu cor nan croitearan a leasachadh. Chan eil iad ag iarriadh ach nithean a tha reusanta gu leor. Tha tuilleadh fearinn a dhith orra ’s tha iad toileach mal rianail a phaigheadh air a shon. Tha iad ag iarridh na feidh a chuir as an fhearann a dh’aitich an sinnsir, ’s as ’n do dh’fhogradh iad le ain tighearnas. Tha iad ag iarridh am fearann sin a thoirt air ais don t-sluagh, agus nach bi na Gaidhil air an eigneachadh gu dhol do thirean cein fhad sa bhios rum dhaibh nan duthaich fein. Tha iad ag iarridh an t iasgach air lochan ’s air aibhnichean a bhi saor do na h-uile. An aon fhacal tha iad ag iarridh cumhachd nan uaislean a sguabadh air falbh agus riaghladh ceart a chuir suas na aite riaghladh a bheir saorsa agus sith gu “tir nam beann, snan gleann ,s nan gaisgeach.” Gheibh na croitearan a chuis leo, luath no mall. Tha “Seoras” a sgriobhadh mar so: “Tha MAC-TALLA ’tighinn gu riaghailteach, agus tha e dol nas fhearr gach latha. Tha mi tuigsinn gu bheil a chairdean a dol nis lionmhoire cuideachd, ni a tha ro thaitueach leis gach aon leis am math cainnt bhlasda nan Gaiheal a chumail suas. Thug sibh deagh ionnsaidh, fhir-dheasachidh, agus gum a math a theid libh.” Tha “Srath-Alba” agradh:—“Fhuair mi aireamh dhe ’n MHAC-TALLA bho ’n Urr. Calum Caimbeul a bha roimhe so ann an Srath-Lathairn an Ceap Breatuinn ach a tha nise na mhinistear an Srath-Alba air Eilean a Phrionnsa. Rinn mi fior thoileachadh ri fhaicinn. Tha mi ’n dochas gu’n soirbhich libh agus gun cuir na Gaidhil an luach is coir air an oidhirp sin air naidheachdan an t-saoghail a thoirt dhaibh nan cainnt fhein.” Tha fear eile ’g radh,—“So dhuit dolar bhuam fein ’s bho mo mhathair, air son MAC-TALLA bhi tighinn a dh’amharc oirnn uair san t seachdain gu ceann bliadhna. Bithidh e na chuis-naire do na Gaidhil ma leigeas iad le MAC TALLA dhol bas leis an acras.” Tha sinn toilichte gur h-urrainn duinn a radh gu bheil an t-Urr. Alasdir MacFhearchir, a tha nise tinn o chionn mios gu leth, a dol gu math air taobh an fheabhais. Chan eil pian sam bith air, tha ’chail nas fhearr, ’s tha e cadal gu math. Bi’dh a chairdean uile toilichte so e chluinntin. Tha troich a fuireach aig Shigaken ann an Japan a tha sia bliadhna deug thar fhichead a dh’aois, ’s nach eil ach seachd orlich dheug a dh’ airde. Tha deagh fhoghlumaige agus tha e deanamh a bheolaind le bhi cumail sgoil-sgriobhaidh. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 47] [Vol. 1. No. 12. p. 3] NA CURRAICEAN-OIDHCHE. EADAR. LE MAC-MHARCUIS. An fhad so, ma ta, chaidh a’ chuis gu math le Seonaid. Cha robh da dith a nis ach gu ’m faigheadh i Eoghan a chur an gharadh ’n a churrac ur, lainnireach, far am faicteadh e le a bana-choimhearsnach—agus cha b’ fhada gus an deachaidh so leatha cuideachd. Gu faicilleach, seolta a’ comhairleachadh Eoghain, fhuair i gu ’n do ghabh e mach le ’chomhdach cinn dealrach; agus cha b’ urrainn do n’ ghnothach tachairt na bu fhreagarraiche. Chunnaic bean Ian Mhic-Aindrea an currac-oidhche, gu lan mhath thuig i an suaicheantas dulain, ’s bhoidich i gu’m biodh dioghaltas aice. Ma bha a h uaill air a toirt a nuas, bha a spiorad air a togail leis a’ chiad sealladh a fhuair i de churrac-oidhche Eoghain Mhic-Cailein; chuir i riomhpe gu ’n tugadh i air a fear posda an currac stiallach a chur a nuas agus fear ur eile chur a suas—leth-bhreac an fhir aig Eoghan Mac Cailein—no na b’ fhearr, na ’n gabhadh e faotainn; ach cha robh i cinnteach an gabhadh so ruigheachd air. Shaoileamaid nach bu ghnothach furasda impidh a chur air Iain ’currac-oidhche ur eile a chur suas; oir am fear a bh’ aige cha robh seachdain o ’n fhuair e ur, nobha as a’ bhuth e, agus cha robh reusan saoghalta, shaoileadh duine, a ghabhadh cur air aghaidh air son fear eile a cheannach. Ach ciod e nach dean seoltachd nam ban! Mar dhearbhadh air so cha ruig sinn leas ’ainmeachadh ach gu ’n deachaidh aice air; fhuair i gu ’n d’ aontaich Iain leigeil leatha dol an bhaile-mhor, currac-oidhche ur, dearg eile cheannach dha, agus thug i air a ghealltainn gu ’n caitheadh e e’n uair thigeadh i dhachaigh leis. M’ an gann a fhuair i a chead, air falbh bha i do ’n bhaile-mhor, ’s an uine ghoirid bha i air a h-ais le currac-oidhche boillsgeach, dearg, a’ h-uile mir cho lasrach ri fear Eoghain Mhic-Cailein; agus tha de thoileachadh aice gu ’n do tharraing i e mu cheann Iain, a bha a cheart cho aineolach mu ciod a bh’ aice ’s an amharc ’s a bha a choimhearsnach, Eoghan MacCailein. Shoirbhich cuisean mar so le bean Iain Mhic-Aindrea; cha robh uaipe ach Iain a sheoladh a mach do ’n gharadh; ’s cha fo’ fhada gus an d’fhuair i a miann. A mach an gharadh steoc Iain le’ cheannbheairt ur, dhearg; agus O, aoibhneas nan aoibhneas! chunnaic Nic-Cailein e. Chunnaic—ghrad dh’ aithnich i an spiorad a dh’ aobharaich an taisbeanadh; ’s mhionnaich i nach biodh e a nasgaidh dhi. “Annag, Annag,” ghlaoidh i ’s guth lan corruich—mar so a’ gairm a stigh a h-ighinn, caileag bheag, mu dheich bliadhna dh’aois—“ruith a nunn cho luath ’s a bheir do chasan thu, agus abair ri bean Iain Mhic-Aindrea an trinnseir a fhuair i air choin-gheall uamsa, a thoirt duit air a’ mhionaid.” Bhuail i a cas air an urlar, las a h-aodann, ’s chaidh i ann am feirg oillteil. Dh’fhalbh Annag air a gnothach. A nis, feumar aideachadh nach robh an toir so a chur i air an trinnseir idir ceart no dligheach. Bha sar-fhios aig Nic-Cailein, agus chaidh ’innseadh dhi da fhichead uair gu ’n deachaidh an trinnseir a bhristeadh; agus a bharr air sin, chaidh a luach a thairgseadh dhi a’ cheart cho bitheanta—b’ fhiach e ur mu thuaiream thri fairdeinean. A thuilleadh air so a rithist, bha tri bliadhna o ’n fhuair an te eile air choin-gheall e. Chithear bho so nach robh anns an iarrtas a chur i leis a’ chaileig ach leth-sgeuil air son innleachd air choreigin eile a chur an gniomh. Cha b’ urrainn ni tachairt a b’ aimhealaiche leathe na gu ’n tilleadh an trinnseir; agus bha cinnt aice nach robh eagal sam bith gu ’m faigheadh a’ chaileag e. Ann an uine ghoirid thill Annag, leis an fhreagairt ris an robh suil aice—bha an trinnseir briste; ach bha bean Iain Mhic-Aindrea lan thoileach paigheadh air a shon, na ’n abradh Nic-Cailein ciod b’ fhiach e. Leis an fhreagairt chuir i beagan fhacal sgaiteach nach do chord idir ri Nic-Cailein Thuirt i “gu ’n robh i a’ deanamh moran tuilleadh gleadhraich mu ’trinnseir truailidh, salach, mosach na b’ fhiach e uile gu leir,” agus ghuidh i orre gu tamailteach, a ghaoil an fhortain, “i a dheanamh na bu lagha staoruim uime ’s gu ’n rachadh lan an dusain a chur dhachaigh ’n a aite.” “Mo riar, nach ann aice ’tha an dalmachd,” thuirt Nic-Cailein an uair a liubhair a’ chaileag a teachdaireachd; “nach ann aice ’tha an dalmachd da-rireadh,” ars’ ise ’s i cur a lamhan air a cruachainnean, ’s a’ sealltainn mar aon air an deachaidh eucoir mhor a dheanamh. “An cualas riabh a leithd? An toiseach coin-gheall a ghabhail de m’ thrinnseir, an sin a bhristeadh, agus a nis, an uair a tha mi cur air son mo chodach fhein, ’innseadh dhomh gu bheil mi a’ deanamh tuilleadh gleadhraich uime ’s a b’ fhiach e uile gu leir. Moire! tha aghaidh aice. At t-seana bhanasgal, mhiomhail a tha i ann! Iadsan ’s an curraicean-oidhche dearg!” A’ cur a currac-biorach mu ’ceann thog i oirre i-fhein a thoirt a mach torachd. Rainig i tigh Iain Mhic-Aindrea ’s a stigh ghabh i. “Thainig mi” thuirit i gu h-athaiseach, doigheil, ged is gann a ghabhadh a’ chorruich a bha ’n a h-uchd ceiltinn, “thainig mi dh’fheuch am biodh sibh cho math agus mo thrinnseir a thoirt domh, ma’s e ur toil e.” “Do thrinnseir,” arsa Nic-Cailein ’s i ’g a tarraing fhein suas, ’s a’ nochdadh na feirge ’bha cheana a’ toiseachadh air tocadh ’n a com; “do thrinnseir, a Sheonaid! Ubh, ubh, a bhean, is fuathasach an upraid a tha thu a’ deanamh mu ’n trinnseir so agad. Cha robh e cho luachmhor; agus is iomadh uair a dh’innis mi dhuit gu ’n deachaidh a bhristeadh, agus gu ’n robh mi deonach paigheadh air a shon.” (Ri leantuinn.) A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON., SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 48] [Vol. 1. No. 12. p. 4] DUANAG AOTRUIM. LE IAN MAC MHURCHIDH. Fonn.—“Flow gently Sweet Afton.” Dean cadalan samhach, A chuilain mo ruin; Dean fuireach mar tha thu, ’S tu’n drasd an ait ur, Bidh oigfhearan againn Lan beirtis is cliu, ’S ma bhios tu nad airidh ’S leat feareigin diu. Gur h-ann an America, ’Tha sinn an drasd; Fo dhubhar na coille Nach teirig gu brath, Nuair ’dh ’fhalbhas an dulachd ’S a thionndas am blaths, Bidh cnothan is ubhlan ’S an siucar a fas. ’S ro bheag orm fein Cuid de’n t-sluagh a tha ann, Le ’n cotichean drogaid, ’S ad mhor air an ceann; Le’m briogisean goirid, ’S iad sgoilte gu’m boinn; Cha n-fhaicear an t-osan, ’S e bhochdinn sin leam. Tha sinne ’nar n-Innseanich: Cinnteach gu leoir; Fo dhubhar nan craobh Cha bhi ’h-aon againn beo, Coin-alluidh is beisdean Ag eigheach ’s gach froig; Gu bheil sinn ’nar n-eiginn Bhon threig sinn Righ Deors’. Mo shoridh le failte ’Chinn-taile nam bo, Far ’n d’fhuair mi greis ’m arach, ’S mi’m phaisde beag, og. Bhiodh freasgichean donn’ Air am bonnibh ri ceol Is nionagan dualach ’s an gruaidh mar an ros. An toiseach an fhoghir Bu chridhail ar sunnd, Gheibht’ fiadh as an fhireach Is bradan a grunnd Bhiodh luingeas an sgadain, A tighinn fo shiuil, Le ’h Iasgairean tapidh Nach faicteadh fo mhuig. Ri stoirim thairneanach a bh’ ann air an t-seachdainn so chaidh, bha Iain Acker a muigh ’s da speal aig air a ghualinn. Thug e ionnsaidh air a dhol fo fhasgadh, ach mun d’ rainig e bhual an dealanach e ’s chaidh a mharbhadh. Faisg air baile Chuibec, an la roimhe, thuit duin og do’n abhinn. Leum athair do’n uisge gus a thearnadh ach dh’fhairt. Fich air sin a dheanamh ’s chaidh am bathadh le cheile. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 49] [Vol. 1. No. 13. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 20, 1892. No. 13. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. Cuir a dh’ iarraidh a’ Mhac Talla. Cha’n eil e cosg ach leth-dolar ’sa bhliadhna. ’S e ’n aon phaipear Gailig a tha ’n Canada. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha corr us ceithir ceud deug Ofig Posta ann an Nobha Scotia. Tha’n t-Urr Iain Ros a Hogamagh an deigh gairm a ghabhail gu Ashfield, an Ontario. Aon la air an t-sheachdain so chaidh, thuit da each dheug marbh leis an teas air sraidean Toronto. Bha’n samhradh a dh’fhalbh na shamhradh cho fuar ’sa bh’ aca ’n Lunninn o chionn iomadh bliadhna. Tha ’n t-Onor. Edward Blake air a thurus air ais gu Canada. Chan eil duil aige fuireach fada, ach bi’dh e dol a null a rithist mu mheadhon an Fhoghair. Fhuaireadh Mr. Pringle, feard deanamh leintean, marbh aig a dhorus fhein ann am Montreal maduinn Di-domhnich. Tha e ro choltach gur e mhurt a rinneadh. Tha fios a Australia ag innse dhuinn gu bheil moran dhaoine nan tamh le cion obair agus moran eile ’g obair air tuarasdal air nach urrinn daibh tigh’nn beo. Ann am Melbourne tha corr us sia mile duine nan tamh. Bha nighean bheag le Patrick Feeham, aig Holland Cove, an Eilean a Phrionnnsa, a cluich mun chladach feasgar Di-haoine air an t-seachdainn so chaidh, agus fhuair i bonn oir na laidhe ann an cnaimh, ’s thug i dhachaidh e dh-ionnsaidh a h-athar. Thilg esan an cnaimh air falbh agus thoisich e air suathadh a bhoinn. Thog e an cnaimh a rithist agus rinn e mach gum bu chnaimh duine bh’ann. Chaidh e fein ’s an nighean an sin dh-ionnsaidh an aite san d’fhuaireadh an cnaimh, agus an deigh beagan cladhaich a dheanamh fhuair iad ciste-laidhe dharaich ann san robh cnamhan duine ’s iad cho slan sa bha iad riamh. Tha e air a dheanamh a mach gur h-e oifigeach mara a bh’ann s’ gu robh e air adhlacadh, mar gum b’ann le cabhaig, ’nuair a bha ’n t-eilean aig na Frangaich. Cha robh e ach mu ochd oirlich dheug sios san talamh. Bha putain agus nithean eile air an talamh mu’n cuairt. Tha ’n t-side gle theth am Manitoba, ’s tha an cruithneachd abuich. Tha na tuathanich an teis-meadhon na buana. Tha gach ni air a chuir ceart a thaobh na h-oibir-uisge ann an Sidni, agus bi’dh duil aginn ri uisge glan, blasda, bhi ann sa bhaile an ceann mios no dha. ’Nuair a bha ’n soitheach-smuid Canopus a fagail Montreal dh’fhastaidh an caiptean dithis dhaoine, Roach us Taylor, gu dhol an cois cruidh a bh’ air bord. Mhi-chord iad a thaobh an tuarasdil agus ’nuair a bha iad faisg air Cuibec, leum an dithis aca bharr an t-shoithich, dh’fheuch iad ri snamh gu tir, ach mu’n d’ranig iad chaidh am bathadh. Tha fear da’n ainm Dreker na ghruidear ann a Vienna, ceanna-bhaile Austria, ’s tha e air a radh gu bheil fiach da fhichead muillean dolair de chuid an t-saoghail aige, agus gu bheil e cuir da mhuillean dolair na cheann a h-nile bliadhna. Tha e coltach gu bheil barrachd airgid ann a bhi deanamh na deoch laidir na th’ann a bhi ga h-ol. Tha sinn a tuigsinn nach eil Harrison, ceann-suidhe nan Staitean a dol a chuir luingeas-chogaidh an taobh so mar a bha duil aige. Bha e ’n duil gu’n cuireadh aon sealladh dhe shoithichean-cogidh muinntir Chanada air chrith, agus gu’n toireadh iad suas an uile choireachan air ghaol na sithe. Ach gu fortanach thill a chorruich mun d’thug e ’n t-ordugh seachad. Thigeadh dhuinn a bhi taingeil nach eil Harrison cho marbhtach sa tha e cho maoidhtach. Chruinnich Parlamaid Newfoundland Diar-daoin an 21mh la. Bha’n Oraid bho’n Chathair a labhairt mu’n teine mhor a sgrios St. John’s, agus a toirt taing do’n mhuinntir a rinn cuideachadh le sluagh a bhaile sin. ’Se’n gnothuch aridh air son ’n do chruinnicheadh a Pharlamaid aig an am so air aon riaghialtean a dheanamh a thaobh ath-thogail a bhaile. Tha aca mar an ceudna ri lagh a dheanamh a thaobh mail, oir tha iadsan aig am bheil taighean a gabhail a chothrom ’s ag iarridh mal ro ard. [TD 50] [Vol. 1. No. 13. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 20, 1892. Tha e air aithris gu bheil Dalton McCarthy, aon de bhuill-parlamaid Chanada, an deigh tairgse air aite-suidhe sa pharlamaid Bhreatunnach fhaighinn bho mhuinntir Ulster an ceann-a-tuath Eirinn agus gu bheil duil aige gabhail ris an tairgse. Anns na laithean a dh’aom b’abhaist do Breatuinn a bhi cuir dhaoine nall a riaghladh na duthcha so, ach ’se ni ur a th’ ann do’n duthich so a bhi cuir dhaoine null a riaghladh Bhreatuinn. Ged a tha ’m feur agus barr eile gu bhi air ais an Ceap Breatuinn air an fhoghar so, tha chuid is mo de Chanada gu bhi gle phailt ann am feur ’s am barr. Chan eil mar so an duthaich gu bhi cho dona dheth sa bhitheadh i nam biodh duthachannam eile gann mar an ceudna. A reir gach cunntais tha ’n saoghal gu bhi gle phailt de bhiadh air a bhliadhna so tighinn. Tha cuid de dhuthchannan gann ach tha chuid is mo pailt gu leor, agus tha iomadh aite mar tha Ontario us Maitoba a cuir thairis le biadh dhaoine ’s bheathichean. Chan eil math dhuinn ar misneach a chall ged nach biodh nithean daonnan a dol linn cho math ’s bu toil linn. Chan eil math dhuinn toiseachadh air ar duthaich a ruith sios agus fhagail ged thigeadh bliadhnichean nach biodh cho torach ri bliadhnichean eile ’chunnic sinn. Bu bheartach saoibhir an duthich an Eiphit, duthich a tha air a h-uisgeachadh agus air a leasachadh gach toiseach samhridh gun lamh duine dhol na coir, duthich anns nach eile dad aig an tuathanach ri dheanamh ach an siol a chur ’s am barr a bhuain. Ach thainig am cruaidh air an tir sin; fad sheachd bliadhna bha an talamh air a dhunadh suas agus air a throimachadh air dhoigh ’s nach fasadh dad a chumadh duine no ainmhaidh beo. B’ iad sin na bliadhnichean fad’, acrach, do na h-Eiphitich, agus mur b’e ’n t ullachadh a bha air a dheanamh roimh laimh bha iad air an sguabadh bharr aghaidh na talmhinn le gort us plaigh. Thanig bliadhnachan pailt air an Eiphit na dheigh sin, ’s ged thigeadh droch bliadhna air an duthich so bi’dh suil aginn ri bliadhnichean matha bhi ,ga leantuinn, agus uime sin cha choir dhuinm a bhi sealltainn sios air an tir a ghabh ruinn cho fada, ’s ann sam bheil aginn “biadh us aodach agus slainnt, us saorsa carrdeas agus sith.” Chan eil tir fo’n ghrein ann sam bheil na sia nithean priseil sin cho dluth da cheile ’s cho soirbh am mealtuinn sa tha iad ann an Canada agus gu h-aridh anns an earraln sin de Chanada ris an abrar Ceap Breatuinn. Tha aireamh de leabhrichean Gailig aginn, air an cuir a mach leis an Urr. A. MacGilleain Sinclair. ’S iad sin “Baird Ghailig bho 1411 gu 1715,” agus “Baird Ghailig bho 1715 gu 1765.” Cha ruig sinn a leas moladh sam bith a dheanamh air na leabhrichean so oir tha ainm an fhir a chuir a mach iad na lan dhearbhadh nach eil dad annta nach fhiach a leubhadh uair us uair. Reicidh sinn fear sam bith de na leabhrichean air 75 sent. Do neach a chuireas dolar thuginn bheir sin aon de “Na Baird Ghailig” agus MAC-TALLA fad bliadhna. Do neach sam bith a tha gabhail a MHAC-TALLA cheana, bheir sinn aon de “Na Baird Ghailig” air 60 sent. Agus bheir sinn aon diu a nasgidh do neach a chuireas ainmean sia gabhaltichean agus tri dolair thuginn, no na dha air son deich gabhaltichean agus coig dolair. Tha so na dheagh chothrom dhaibh-san aig am bheil meas air bardachd ’s tha sinn ag earbsa gun cuir iad ’gan iarridh gun dail. Dh’fhag J. Moore, tuathanach ann am Manitoba, a dhachaidh agus bha e bho’n tigh beagan laithean. ’Nuair a thill e Di-haoine so chaidh, fhuair e mach gu robh bhean air teicheadh le tuathanach eile agus gu’n tug iad leo an stochd agus na h-uidheaman tuathanachis air fad. ’S tric a chaill duin’ a bhean, agus is tric a a chaill duin’ a chuid, ach chan e h-uile fear a chaill a bhean ’sa chuid comhladh. Tha’n cholera a sior sgapadh ann san Airde Near. Ann an Teheran, ceann-bhaile Persia, tha corr us seachd fichead a basachadh gach latha. Air feadh Ruisia tha’n galair ceudna a bualadh corr us ochd mile gach latha agus a toirt bas cethir mile. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 51] [Vol. 1. No. 13. p. 3] NA CURRAICEAN-OIDHCHE. EADAR. LE MAC-MHARCUIS. “Cha ’n e paigheadh a tha ’dhith orm” ars Nic-Cailein ’s i a’ godadh a cinn gu h-uaibhreach; “tha mi a’ sireadh mo thrinnseir, agus bidh mo thrinnseir agam. An cluinn thu sin?” Bhuail i an sin a dorn air a bois, mar is cleachdadh leis na boirionnaich an am a bhi a’ trod. “Agus o ’n thainig thu gus a sin, their mi riut nach’ eile annaad ach boirionnach miomhail, dalma an uair a theireadh tu rium nach mor a b’ fhiach e, an deigh dhuit a bhristeadh. “Air m’ fhacal,” fhreagair Nic-Aindrea, le ceann gu h-ard, ’s a gnuis a’ lasadh le corruich, “cha’n ’eil thu sgathach an uair a theireadh tu an leithide sin de dh-ainmeannan rium ann am thigh fein.” “Their mi sin, agus na ’s miosa na sin ruit, ann ad thigh fein no ann an aite sam bith eile,” arsa Nic-Cailein ’s i a’ casadh a fiaclan ’s a’ cur a duirn ri peircell na te eile. “Seadh, a’ so, no an aite eile, their mi ruit nach ’eil annad ach boirionnach miomhail, gun oilean, gun tuigse. Gu ’n cuireadh tusa suas do dhuine le currac-oidche dearg!” “Agus c’ arson nach cuireadh?” fhreagair Nic-Aindrea gu h-uailleil; “tha e cheart cho comasach air paigheadh air a shon’s a tha sibhse; agus theagamh, na ’m biodh a chuid fein aig a’ h-uile neach, gu bheil moran na’s comasaiche. Currac-oidhche dearg, gu dearbh, a bhansgail mhiomhail, mhosaich!” “Abair sin a rithist agus spionaidh mi an teangadh asad!” arsa Nic-Cailein ’s i aig a’ cheart am a’ leum ’sa beireachdainn air bhad-mullaich ’s air churrac air Nic-Aindrea ’s ’g an spionadh le cheile ’n am mirean mu ’clusan. Rinn ise a leithid eile oirre-se ’s am badaibh a cheile ghabh na cailleachan, ’s thoisich an strith ’s an sgiamhail, ’s an sgreadail. Ghrad lion an tigh leis na coimhearsnaich a dh’ fheuch ri an cur bho cheile. Am feadh ’s a bha an cath ’n airde, co thainig stigh ach Iain Mac-Aindrea, agus aig shail Eoghan Mac-Cailein, ’san curraicean-oidhche dearg air an cinn mar gu ’m biodh ann brataichean-catha a bhrosnachadh nam bana-churaidh. “Ciod e air an talamh is ciall d’ a so?” ars’ Iain Mac-Aindrea ’s e ’leum a nunn am meadhon an t-sluaigh. “O, an aigeannach!” ars’ a bhean ’s ian na glaice aice de fhalt Nic Cailein air a thoinneadh mu ’dorn; “tha e uile mu d’ churrac-oidhche, Iain, agus m’ a trimseir salach, truaillidh.” Thuig Iain gu math mu ’n trinnseir, ach cha do thog e idir mu ’n churrac-oidhche; coma-co-dhiubh, mar dhuine dleasnachail ghabh e taobh a mhna, agus bha e dol a chur na te eile as an rathad, an uair a rug Eoghan MacCailein air chul amhchadh air, ag radh. “Air d’ athais, Iain, na tog do lamh, gus am faic sinn ciod idir is ciall do ’n aimhreit so.” “Thoir an uabhar le leathad, Eoghain!—thoir an uabhar leathad!” arsa Nic-Cailein an uair a mhothaich i gu ’n robh a leithid de chuideachadh aig laimh. “Thoir an uabhar le leathad—nach stroic thu an currac oidhche bharr ceann Iain. Tha a’ bhanasgal ag radh gu bheil iad na ’s comasaiche air a phaigheadh na tha sinne.” An sealbhan a cheile nis ghabh na bodaich, ’s an taice’nam bodach ghabh na cailleachan, gach aon a ’feuchainn, ri greim ’fhaighinn air currac-oidhche fir na te eile—a’ cheathrar a’ cur nan ear dhiubh air an urlar ’s an impis an aitreabh a thoirt a nuas leis a ’h-uile uilneag a bheireadh iad. Ach cha b’ urrainn d’a so mairsinn fada ’s cha mho rinn e sinn, Thachair sgiorradh diubhalach a chuir gu grad agus gu buileach stad air an t-sabaid. Ann an aon de na gramannan-gleachd eagalach a bh’ aca thainig iad gu mi-fhortanach tarsaing air seann dresser critheanach air an robh luchd mor de shoithichean creatha de gach gne, as an robh Nic-Aindrea ro uailleil, agus a bha aice air an cur an ordugh ’n an sreathan gaeadhrach a suas gu ruig anainnean an tighe. Is gann a ruigeas sinn leas ‘innseadh ciod a thachair. A nuas thaiuig an dresser, agus a nuas leis thainig gach soitheach beag a’s mor ’n an bloighdean air leac an urlair; cha d’ fhagar aon slan diubh. Cha ’n fhacas agus cha chualas riamh iomradh air a leithid de sgrios. Stad an iorghuill mar bhuille na boise; agus sheas gach aon ag amharc le h-uamhunn air an t-sealladh eagalach. An uair a chunnaic Mac-Cailein agus a bhean ciod a thachair, agus air doibh fios a bhi aca nach robh an lamhan glan d’ an ghnothach, gun diog a radh sheap iad air falbh dhachaigh. “Ma tba lagh no ceartas anns an tir,” arsa Nic-Aindrea, ’s i trusadh suas nam bloighdean briste, “creanaidh Eoghan Mac-Cailein agus a bhean air so. Na faiceam-sa grian an la maireach mur bi iad agam air beulaobh rn t-Siorraim m’an teid seachdain thar mo chinn.” “Tha ’n gnothach eireachdail darireadh” thuirt Iain; “ach ciod air an talamh a thog an iorghuill?” “Ciod a thog an iorghuill?” ars’ ise; “nach d’ innis mi dhuit cheana? Ciod ach an trinnseir dubh sin aice! Ach bheir mise oirre gu ’n diol i air son obair an la diugh. Moire, bidh so na ’s daoire dhaibh na lub nan tunnag, mur eil mise meallta.” “Cha chreid mise gu ’n robh a’ bheag de chulaidh-uaill againn fhein anns a’ ghnothach sin,” ars’ Iain air a shocair fein. Thoisich e fhein ’s i fhein agus chrunnich iad suas a’ h-uile crioman de na soithichean briste bharr air urlair ann an aon chliabh mor, a chum an gleidheadh mar fhianuis air meud a’ chall agus a’ mhillidh a dh’ fhuiling iad. Cha d’ fhairich Eoghan Mac-Cailein agus a bhean iad fein idir saor o amharus mu ’n sgiorradh a thachair ann an tigh Iain Mhic-Aindrea. Is ann a chuir e mor champar orra, oir cha robh iad a’ faicinn ciamar a dh’ fhirinnicheadh iad iad fein no a gheobhadh iad an casan a thoirt as an rib, a cheann gu ’n deachaidh iad ’g am foirneadh fein agus a thogail brionglaid ann an tigh an coimhearsnaich far nach robh gnothach sam bit aca dol. Le inntinn lan d’ an iomaguin so agus le aodann muladach, thuirt Eoghan Mac-Cailein r’a mhnaoi, ’s i an deigh cunntas falls’ a thoirt da mu aobhar na streupaid, “B’ eagalach an stairirich sud, a Mhor. Cha chuala mi riabh a leithid. Tha an fhuaim oillteil ann am chluasan fhathast.” “O, ’s math leam aca e! Gabhadh iad e!” ars’ ise ’s i mar gu ’m biodh i caoin-shuarach mu ’n chuis, ged a bha e furasd fhaicinn nach robh i idir saor o amharus mu dheireadh na cluiche. “Bha i tuilleadh ’s a’ choir moiteil as a cuid shoithichean co-dhiubh; cha b’ urrainn na b’ fhearr tachairt di.” (Ri leantuinn.) .A J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Suathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 52] [Vol. 1. No. 13. p. 4] ANNA BHOIDHEACH. (Annie Laurie) Tha bruachan Mhacsuel aluinn, Mu’n laidh gu trath an driuchd; ’S an sin thug Anna bhoidheach An gealladh dhomhs’ nach muth; An gealladh dhomhs’ nach muth; Air chuimhne bidh mar bha; ’S arison Anna bhoidhich, fhinealt’ Gu’n rachinn fhin gu bas. Mar shneachd’ tha ’mala mhalda, Mar eal’ a bradhad fionn; ’S a h-aghaidh ’s i a’s briagha Air ’n d’ sheall a ghrian bho thus, Air ’n d’ sheall a ghrian bho thus, ’S a suil tha dubhghorm tlath; ’S arison Anna bhoidhich, fhinealt’ Gu’n rachinn fhin gu bas. Mar dhriuchd a tigh’nn air neoinean Tha tearnadh foil a ceum; ’S mar osnaich caoin ghaoth shamhruidh Tha binn ghuth m’ annsachd seimh; Tha binn ghuth m’ annsachd seimh; ’Se ’n saogh’l gu leir dhomh ’gradh; ’S airson Anna bhoidhich fhinealt’ Gu’n rachainn fhin gu bas. A. McL. S. Tha moran dhe na Mormons a fagail nan Staitean ’sa tighinn gu Canada. Chuir iad, o chionn ghoirid, da theachdire gu Ottawa ag iarridh gu ’n leigeadh an luchd-riaghlaidh leo deich mile caora thoirt as na Staitean gu Canada, gun cis a phaigheadh orra, ach cha d’fhuair iad eisdeachd coir idir. Cha’n eil anut’ ach daoine air nach bi meas a’s fhiach ge b’e aite ’n teid iad, daoine nach ruigeadh a leas an duthaich ann sam bheil iad fhagail nam biodh iad a caitheamh am beatha a reir lagh na duthcha sin, agus air an aobhar sin cha choir fabhar air bith a dheanamh riu na’s mo na dheanta ri sluagh eile. Chaidh dithis dhaoine bhathadh aig Tracadie Cross an Eillean Phrionns Iomhair Di-haoine so chaidh, Stephen Domhnullach us Ioseph Caimbeul. Bha e mu dhol fodha na greine ’s bha na h-iasgairean a tigh’nn a stigh bharr na mara. Bha’n dithis daoine so ann am bata maille ri fear eile da ’m b’ainm Paul. Bha a mhuir gle gharbh aig an am agus chaidh am bata thairis. Lean Paul ris a bhata fad da uair mun d’ranig cuideachadh e, ach chaidh a chompanich a bhathadh. Bha daoine muigh fad an la Di-sathairne ag iarridh nan corp ach cha d’fhuaireadh iad. Bha iad nan daoin, onarach, direach, air an robh fior mhios aig an coimhearsnich. Aig Laualtrie, an Cuibec, loisgeadh da nighean bheag gu bas Di-luain so chaidh. Bha iad a togail teine agus dhoirt iad olla air gus a ghreasad. Ghreimich an teine orra ’s cha robh iad beo ach da uair. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm,” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES; ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 53] [Vol. 1. No. 14. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 27, 1892. No. 14. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Bha eaglais ur chleireachail air a fosgladh aig Milton an Cow Bay Di-sathairne so chaidh. Tha Priomhair Fielding a fagail Lunnainn ’s a tighinn dhachaidh gu Nobha Scotia toiseach an ath mhios. Tha e air aithris gur h-e Iarla Abaraidhean a bhios na Ard-Riaghladair air Canada an deigh Morair Stanley. Sgaoil Parlamaid Bhreatuinn air an t-sheachdain so chaidh. Bi’dh i cruinn a rithist air a cheathramh la de dh’ October. Tha duil aig tuathanich Mhanitoba ri fiach fichead dolair de chruithneachd a thoirt bhar gach acaire fearainn a th’aca fo bharr. Tha na h-Eirionnich ann an Toronto dol a thoirt altachadh-beatha do Edward Blake ’nuair a ruigeas e ’m baile sinn air a thilleadh a Eirinn. Tha muinntir Lunninn, ’s na Roinn-Eorpa gu leir, a gearain air an teas. Tha moran air am bualadh leis a ghrein agus a basachadh. Bha an samhradh a chaidh seachad gle fhuarraidh, gu h-araidh ann an Lunninn. Tha Feill an Eilein ri bhi aig Mabou air a 4mh an 5mh ’san 6mh latha de dh’ October. Cha robh feill air an eilean o’n bha aon aig Mabou an October, 1889. ’Se Mabou mar sin an aon aite ’tha feuchinn ri deagh ainm Cheap Breatuinn a chumail suas sna bliadhnichean so. Di-sathuirne so chaidh leag Harrison, ceann-suidhe nan Staitean, cis air soithichean le Canada a bhios a dol troimh roidean-uisge a bhuineas do na Staitean. Dheanadh so cron air mallairt Chanada na’m biodh e air tighinn toiseach an t-samhridh, ach cho anamoch so ’san fhoghar chan fhuiling sinn moran air a thaileabh. Bi’dh ’n taghadh seachad ann sna Staitean mu’n tig toiseach an t-samhridh ’s cha bhi, ’nuair sin, reusan sam bith aig Harrison air bhi nochdadh naimhdeas do Chanada. Rinn stoirm thairneanach us dhealanach milleadh mor an Eilean a Priunnsa air an t-sheachduin so chaidh. Chan eil cuid de mheinean guail an eilean so a cuir a mach uiread guail air an t-samhradh so ’sa b’ abhaist daibh. Tha iad laithean a bhios iad nan tamh, ach aig amannan eile bi an leor aca ri dheanamh. Dh’eug fear Deorsa Dillon ann am Montreal air an t-sheachduin so chaidh. Beagan an deigh a bhais thainig da bhantraich gus curam a ghabhail de ’chorp. Bha an dithis posd aige ’s cha robh fhios aig te seach te gu robh bean eil’ aige gus ’na thachair iad air a cheile aig an am so. Tha ’n cholera a sior sgaoileadh ann a Ruisia agus tha na rioghachdan nu’n cuairt di a gabhail an eagail. Tha tri no ceithir dhe na coimhearsnich is fhaisg oirre an deigh am puirt a dhunadh air a cuid shoithichean, ’s chan eile teagamh nach dean duthchannan eile ’n ni ceudna. ’Se so an aon doigh air an gabh stad a chuir air a phlaigh. Thainig nighean og a mhuinntir Phictou, a bha mach an iar fad iomadh bliadhna dhachaidh o chionn ghoirid, agus fhuair i eolas air seann duine a ghabh meas mor oirre ’cheud uair a chunnaic e i. Rinn iad suas ri cheile, agus am beagan uine phos iad. Chan eil ise ach sia bliadhna fichead a dh’aois, ’s tha esan ceithir fichead, ach ged a tha, ’s fhiach e ceithir fichead mile dolair. Tha cuirt an Fhearainn ann sa Ghaidhealtachd a toirt fuasgladh mor do na croitearan. Air eilean Leodhais bha ’m mal bliadhnail suas ri sia ceud, punnd Sasunnach. Thug a chuirt so a nuas gu ceithir cheud punnd sa bhliadhna. Bha suas ri coig mile punnd de dh’ ainbhfhiach air na croitearan a tha air fearann Ban-tighearna Nic-Mhathain. Dh’ orduich a chuirt gu’n biodh aona ceud deug punnd dhe so air a phaidheadh, agus mhath iad an corr dhaibh. Tha iad ri so anns gach cearna de’n Ghaidhealtachd. ’S e ’n ath ni bu choir dhaibh a dheanamh tuilleadh fearainn a thoirt do’n t-sluagh ’s mar sin comas a thoirt daibh air am beolaind dheanamh. [TD 54] [Vol. 1. No. 14. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 27, 1892. Ann an ait eile gheibhear litir bheag sgiobalta bho “Strath Alba” ann sam bheil e toirt cunntas air nithean a tha tachairt an Eilean a Phriunnsa. Bi’dh sinn ro thoilichte cluinntinn uaithe rithist, no bho neach sam bith eile aig am bheil naidheachdan is fhiach ri’n innse. Nuair a thainig a chead aireamh dhe’n MHAC TALLA mach, cha robh aginn ach gann ceud gabhaltiche. Ach thoisich iad air tighinn a stigh gun dail agus an diugh tha aginn gle fhaisg air coig ceud. Ma leanas iad air tighinn a stigh mar so, cha bhi ’n uine ro fhada gus an teid aginn air am paipear a mheudachadh. Tha sinn a cuir a MHAC TALLA gu moran nach do chuir an t-airgiod thugainn fhathast, agus gu beagan nach do chuir thugainn uiread ’s an ainm. Tha sinn a deanamh so an earbsa gu’n dean iad an dleasanas sin uair no uaireigin. ’Nuair a chuirear paipear mar so gu neach air bidh, mur eil toil aige ’ghabhail ’s coir da a chuir air ais gun dail sam bith, neo a phaigheadh. Tha sinn an dochas gu’n dean iadsan a tha gabhail a MHAC-TALLA an dleasanas mar Ghaidhil agus gun dean iad na’s urrinn daibh gu cuideachadh leinn. Tha sinn taingeil dhaibh-san a rinn cuideachadh leinn cheana, agus tha sinn cinnteach gu lean iad air an deagh obair. Oidhche Diar-daoin, air an t-sheachduin so chaidh mharbh an dealanach tri eich us searrach le Aonghas Caimbeul air Beinn-nan-Caimbeulach a mach a Hogamah. Bha na beathichean a muigh ri stoirm thairneanach agus sa mhadinn fhuaireadh iad mharbh taobh ri taobh. Bha each eile ann sa phairc, ach cha d’eirich dad dha. BHO “STRATH ALBA.” EILEAN A PHRIUNNSA, Ogust 20mh la, 1992. Failt ort a MHIC-TALLA! Tha am paipear a tighinn gach seachdain agus gu dearbh ’se ’bheatha. Tha na tuathanich ann san aite so nan cabhaig ris a bhuain. Tha gach seorsa barra na’s aotroma am bliadhna na bha e ’n uiridh, gu h-araidh na bh’air a chur tra san earrach. Tha aimsir gle fhliuch aginn o chionn beagan sheachduinean. Air oidhche Di-ciaduin so chaidh, bha stoirm thairneanach aginn a rinn moran ealla. Chaidh a dha thar fhichead eadar thaighean agus shaibhlean a leagadh leis a stoirm an ceann an iar an eilein. Chaidh taigh agus sabhal a losgadh, agus taigh eile bhristeadh leis an dealanach. Tha aon duine marbh a chaidh a dhoch ann an aon de na taighean a leagadh, ’s tha neach eile gun duil ris. Tha duin’ eile ’bhuail an dealanach, bothar us balbh o’n bhualadh e. Chaidh leanabh a mharbhadh an tigh eile agus athair ’sa mhathair a dhochann. Chan eil cunntas air call cho mor a bhi air a dheanamh le gaoth us dealanach air an eilean so o chionn iomadh bliadhna. STRATH Alba. A PENTANGUISHENE. A MHIC-TALLA mo chridhe! Tha mi air mo thoirt air m’ ais least gu laithean m’ oige, gu teanga mo mhathar, ’s gu tir mo ghraidh far na rugadh ’sa thogadh mi. Agus gu cinnteach tha mi ro thoilichte gu bheil meas ort bho cheann gu ceann de’n Mhor-Roinn so, eadhon gu California, Stait na h-airde niar. Tha na naigheachdan laitheil agad taitneach ri’n leubhadh a leigeil ris gu bheil iad air an tionail le curam. Agus naidheachd nam Figheadairean cho fada so, fhuair sinn da rireadh ait. Tha eagal orm gun dean an curachd dearg barrachd dragh na rinn na teangannan. Co dhiu ma bhios sinn beo, chi sinn. ’S neonach an t-eadar-theangachadh a thug Domhul Mac Earais dhuit air Pentanguishene—‘Baile-nan Gaduichean.’ Ann sa bhaile sin tha tigh ath-leasachidh airson gillean oga ’tha bristeadh lagh na duthcha, a mhor-chuid diu ’nam gaduichaan. Agus ’s e dreuchd Dhomhnuil fhein a bhi ’gan teagasg ’sa feuchain ri ’n ath leasachadh. Tha e aig an obair so a nis dluth air dusan bliadhna, ’s cha chreid mi nach cuir e aonta ris an t sean-fhacal,—“Chan e gogadh nan ceann a ni ’n t-iomradh.” IAIN AN FHRAOICH Chaidh Seumas agus Roy dithis ghillean beaga leis an Urr. J. E. Howell, a bhathadh aig Goderich, Ontario. Thuit am fear a b’oige mach a bata ’s leum a bhrathir as a dheigh. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 55] [Vol. 1. No. 14. p. 3] NA CURRAICEAN-OIDHCHE. EADAR. LE MAC-MHARCUIS “Biodh sin mar sin,” arsa Eoghan, “ach bha am pronnadh ud searbh.” “Ceol a bu bhinne ’chuala mi riabh,” ars’ ise. “Theagamh gur e,” ars’ esan “ach tha eagal orm gur ann oirine thig paigheadh a’ phiobaire. Bheir iad gu lagh sinn.” “Deanadh iad sin ma thoilicheas iad. Cha’n ’eil lagh no ceartas anns an duthaich ma bhuidhinneas iad. Cha robh an amharusan gun aobhar, oir air feasgar an ath latha co thaing orra ’s iad gu seasgair ’n an suidhe mu ’n chagailt, ach maor a dh’ fhag da shumanadh aca gu cuirt a sheasamh air beulaobh an t-Siorraim, an da chuid air son gu ’n do bhuail ’s gu ’n do mhill iad Iain Mac-Aindrea agus a bhean ’n an tigh fein, agus mar an ceudna, a’ tagar luach na chaidh a bhristeadh de shoithichean—corr agus coig puinnd Shasunnach. “Sin agad a nis!” arsa Eoghan an uair a leugh e na paipearan. “Is i mo bharail gu ’m faigh sinn ar leoir dheth nis, a Mhor, Is e so amharus a bha orm. Ach coma co-dhiubh seasaidh sinn air cuis gu duineil; bheir sinn doibh greim ruighinn ri ’chagnadh.” “Seasaidh sinn ar cuis,” arsa Mor, “mo riar gu’n seas, agus theagamh gu ’n dean sinn tuileadh ’s sin. Cha ’n eil fhiosam nach dean sinn tuilleadh ’s seasamh, buailidh sinn orra gu foghainteach ’s bheir sinn orra an rathad ’fhagail.” “Sin agad a nis, a Mhor, far am bheil thu ’nochdadh d’ aineolais air an lagh.” “Lagh ann no as,” fhreagair Mor, “tha fhios agam ciod e ceartas agus tuigse, agus foghnaidh sin domh. Agus ceartas bidh agam,” ars’ ise ’s i ’bualadh a duirn air a bois, “ma bheir meud an sporain no cruas non doin a mach e.” Moch air madainn latha na cuirte thog iad orra ’s a stigh ghabh iad gun athadh gun sgath do thalla a’ mhoid. ’Co bha ’n sin air thoiseach orra ach Iain Mac-Aindrea agus a bhean. Sheall na cailleachan gu colgach air a cheile, ’s shuidh iad a dh-fheitheamh an t-Siorraim. Lamh ri Nic Aindrea bha udabac mor de rud nach robh e furasda do na bha ’s a chuirt a bhreathnachadh ciod a bh’ ann; ach bhi deadh bheachd aig Nic-Cailein ciod a bu chiall da. B’ e sin cliabh mor. Ciod a th’ agaibh air no dheth, ach gu ’n do shlaod i leatha an cliath loma lan do na soithichean briste, ann an cairt a h-uile ceum do ’n chuirt, a’ cur roimhpe a thilgeil fosgailte an lathair a’ bhreithimh a leigeil fhaicinn nach bu chall faoin a thug an sin i. An uair a thainig an Siorram ’s a chaidh a’ chuirt a shuidheachadh, ghairmeadh a mach gu cruaidh ainm Iain Mhic-Aindrea agus a mhna, ’s a suas steoc iad agus ghabh iad an aite fa chomhair a’ bhreithimh. A cheart cho staiteil chaidh Mac Cailein agus a cheile fein a suas ’n uair chaidh an ainmeannan a ghlaodhaich agus sheas iadsan mar an ceudna beagan thun an darna taobh. Chaidh iarriadh air Nic-Aindrea a cuis a chur an ceill, ’s cha d’ fheith i an darna cuireadh. Thoisich i mar so;— Fhaic sibh, a bhreithimh uasail, so agaibh mar thachair an gnothach—agus tha mi a’ toirt dulain d’ ise ann a’ sin.” (thug i suil aingidh air Nic-Cailein) “tha mi a toirt dulain di facal dheth ’aicheadh ged tha mi ’lan chreidsinn gu ’n deanadh i e na ’m b’ urrainn di.” “Mo bhoirionnach math,” ars’ an Siorrom ’s e faicinn gu’n robh shaod air a teangaidh ruith momha ’s bras, “am bi thu cho math agus cumail an sealladh air do sgeul—innis dhuinn direach gu h-aithaiseach, firinneach ciod a thachair, ’s gun ni tuille. “Ni mi sin, fhaic sibh, ma ta, so mar thachair. Chaidh i an sin air a h-aghaidh ’s chuir i an ceill gu h-ordail gach ni, Cha d’ thuirt i smid mu na curraicean-oidhche, ach chur i coire na h-aimhreit gu leir air an trinnseir. A nis ghabh Nic Cailein beachd air so, agus chuir i riomhpe, ciod sa bith mar thachradh, gu ’n deanadh ise a’ bhuil a b’ fhearr de na curraicean-oidhche—gu ’n leigeadh i ris do ’n t-saoghal, mar shaoil i fein, uabhar agus ceilg Nic-Aindrea. An uair a sguir Nic-Aindrea chaidh an sin gairm air an dithist eile an taobh fein d’ an chuis ’aithris. Chaidh an da chuid Eoghan agus Mor air an aghaidh, mar gu ’m biodh iad le cheile dol a labhairt aig an aon am. Agus is ann mar sin direach a bha. Trath dh’ iarradh orra labhairt— “Fhaic sibh,” arsa Eoghan; agus— “Fhaic sibh,” aig a’ cheart am arsa Mor- “Nis, nis,” thuirt an Siorram,” aon mu seach ma ’s e ur toil e. “Air a’ h-uile cor,” arsa Eoghan, “seas a thaobh, a bean, ’s an innis mise a’ chuis do ’n chuirt. “Cha dean thu ni d’ a leithid, Eoghan,” arsa Mor, ’s i aig a’ cheart aim a’ beirsinn air ghuallainn air ’s ’g a chur air ais. Cho luath ’s fhuair i mar so an fhaiche dhi fein, thoisich i is dh’ innis i gu riochdail gach ni bho thoiseach gu deireadh—mu na curraiceean-oidhche ’s gu leir; ach a’ cur an sgeoil air a leithid de dhoigh ’s gu ’m measadh daoine gu ’n robh a cuid fein d’ a ri chuis gu tur saor o dhroch run ’s o gach sion d’an gabhadh coire faighinn; agus nach d’ aobharaich ni sam bith an aimhreit agus am bristeadh eagalach a thachair ’n a lorg, ach “straic, a’s eud, a’s uabhar” Nic-Aindrea i fhein. Am feadh ’s a bha i ris an aithris so cha mhor nach do sgain na bha ’s a’ chuirt a’ gaireachdaich, agus is gann a b’ urrainn do ’n bhreitheamh cumail air gun bhristeadh a mach leotha. Bha buaidh gu tur eadar dhealaichte bho so aig a’ ghnothach air da fhear posda nan cailleach. Lan ioghnaidh, naire, agus rugha-gruaidh aig a leithid de thaisbeanadh tamailteach air mar a bha iad gun fhios doibh fein, air an deanamh ’n am buill-mhagaidh an lathair an t-saoghail sheap iad le cheile ’mach as a’ chuirt, ’s dh’fhag lad na cailleachan a chur crich aia a chuis mar b’ fhearr a b’ urrainn doibh. Ciamar a chaidh dhaibh cha ’n fhios duinn; so mar chriochnaich ar sgeul mu fharpais nan curraiceanoidhcde. —An Gaidheal, 1874. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 56] [Vol. 1. No. 14. p. 4] CUAIRT DO EILEAN A’ CHEO, LE N. MACLEOID. Aon turas eile tha mo chas Air Eilean gorm a’ cheo, Tha bheanntan ard ’s a chluainaibh glas Gun chaochladh air an gloir; Le fhuarain fhionnar, chuisleach, bhras, Is cubhraidh blas ri ’n ol, ’S na miltean blath fo’ dhriuchd nam fras A’ lasadh feadh an fheoir. Do chreagan corrach, gruamach, liath, Mu’n iath an cro ’s a’ ghaoth Tha ’m bunait socraichte bho chian, Nach crion gu brath le aois, Mar challaid bhuain ’s ’n am balla dion, Mu d’ ghleannain ghrianach chaoin A dh’ altram anns gach linn a thriall Gu gaisgeil siol nan laoch. Mar bhruadar faoin air sgiath na gaoith’ Nach till air ais gu brath, Tha spiorad tiamhaidh ’toirt gu m’ chuimhn Na cairdean grinn a bha; Na laithean sonais agus sith ’Bha agam fhin ’s aig cach, Cho aotrom saor ri feidh nam frith, A’ siubhal ghlinn ’us charn. Bha maduinn m’ oige subhach blath, Fo’ sgail do stucan cas; Gu h-aoibhneach eadar beinn ’us traigh, ’S air sail’ nan stuaidhean glas; Ach b’ eiginn falbh a tir mo ghraidh, Gu sraidean lom nan clach, Tha dachaidh m’ oige falamh fas, ’S dh’fhag sin car fuar mo theachd. Ach ’s caochlaideach an uine ghearr A dh’fhagar sinn fo’n ghrein, Bha sin mar chuibhrionn aig gach al A bha no thig ’n ar deigh; Iad uil’ an toir air tir is fhearr, ’S air sonas ard nach treig, Ag iarriadh meala bho gach blath, ’Us slainte do gach creuchd. Na caochlaidhean a dh’fhaodas teachd Le aiteas no le bron, Cha’n fhuaraich iad gu brath mo thlachd Do’n tir a chleachd mi og: Gach doire, cuartag’ agus glac, ’S an d’fhuair mi’n toiseach treoir, Tha durachd blath mo chridhe steach ’An Eilean gorm a’ cheo. Chaochail bean da ’m b’ainm Ruth Rudolph aig Windsor, N. S., o chionn ghoirid. Rugadh, thogadh, phos, agus dh’eug i ann san aon tigh. Bha i ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon deug a dh’aois aig am a bais. Dh’eug Iain Fielding aig Kentville, N. S., air an 18mh la. Bha e ceud bliadhna sa h-aon a dh’aois. Bha e dall o chionn seachd bliadhna. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm,” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 57] [Vol. 1. No. 15. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 3, 1892. No. 15. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear-tagraidh, &c., SIDNI, C. B. Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. AN COGADH RUISEANACH. ORAN, LE ALASDAIR MAC-’ILLE-MHAOIL. ’S an cuala sibhse mar a thachair Do na gaisgich anns a chruadail, Aig Sebastapol a chaisteil ’Sann a thachair la an umhais. ’S iomadh fear a ruisg a laslann; ’S e ga tarruing bha smear chruaidhe; Is bu bheag an deidh do’n Impair, ’So do na milltean ’chuir e uaithe. Is ann sa mhaduinn Di-domhnich, ’Shin a chomhstri s gum bu chruaidh i: ’Sgur iomadh mile chaidh a leonadh Nach d’thainig beo as an tuasaid. Ged bha ceathrar air aon aon fhir Air an raon ri aghaidh bualaidh Sheas na Bhreatunnaich an t-arach Mar a b’abhaist ri uchd cruadail, ’Sann tre chealgaireachd ’s tre bhagradh Shin am baiteal ’sgum bu dian e Ghealladh or dha na bhiodh beo Is saoibhreas glormhor mur a pill iad. ’S barail leinn gur mor am peacadh Rinneadh air an t-sluagh da rireadh ’S cinnteach mi gur cruaidh an acaid Pilltinn dhachigh ’siad air striochdadh. Sud an fheadhainn a bha smearail, ’Sa bha ealant anns an lamhaich; ’S iad gan sgathadh ris an talamh Mheud ’sa dh fhan dhiu air an laraich. Sgur iomadh mile dhiubh a thuit, Anns a chumasg ’s an robh ’n t-uamhas Amhuinn Chrim’ air fiamh na fala ’S i cur thairis air a bruachan. ’S thainig na h-eich chruitheach ghlasa Thun a bhaiteil ’siad nan deann-ruth, Sa marcaichean sunntach laidir Nach gabhadh sgath bho ’n naimhdean. ’S iad nan duin air aghaidh bheanntaibh ’S ruthadh leis na gleanntaibh casa, ’S cinnteach mi gun d’rinn iad bearna S rioghachd Shatain ’chur fo ’n casibh ’S thainig an sin air an culthaobh Reiseamaid dhumail do Ghaidheil, An ceithir fichead ’sa tri deug sin A bha riamh an cois nam blaraibh. Bhuinneadh iadsan do’n Bhan Iarla Seanachas fior a tha ni ’gratinn. ’S gur iomadh Ruiseanach liathghlas ’S toll traimh chliabh bha ’m Balaclava. Saoghal fada do na Bhanrighnn ’S do na staiteachean mun cuairt dhi ’S do gach oifigeach bu treine A rinn fhum ri uchd a chruadail. ’S do gach saighdear laidir dileas, Nach do phill ro mheud na luaidhe; A choisinn urram do an righeachd, Ged a fhuair sibh stri gam bualadh. Buaidh a chlaidheamh dhuit a Shasuinn Anns gach baitel anns an teid thu, Maille ris na fearaibh tapaidh Thig a Albuinn is a Eirinn. Cha dean sinn di-chumhn’ air an Fhrangach Anns an aimhreit rinn leibh eiridh, Bha bratach shioda is srann aice Ri a crann gun mheang do’n t-seudar. Buaidh na marra dhuit a Bhreatuinn ’S gun robh freasdal fein gad chomhnadh ’N am bhi bombardadh a bhaile Bhiodh do channain anns a chromhrag, Cha bu dual dhuit dol am falach Ged a theanainsa ri raitinn Cumaidh darach naine Breatuinn Ris na thig a deas bho’n Asia. Cuim nach labbhrainn air Sir Cailean Fiuran fearail a dh’fhas uasal, A ghineadh bho’n an treubh bu rioghail A bha n Ille glas nam fuaran Bha thu ’n dail am fabhar Bhreatuinn ’S tu ga seasamh anns gach cruadal ’S dhearbh thu dhoibh gun robh thu dileas Nuar a chaidh an tir a bhualadh. ’S ged bu laidir cruaidh an daighneach Bh’anns a cheann sin aig an Iompair Cheannsich Breatuinn mhor ’san Fhraing e. Dhaindeoin gamhlas luchd am mirainn. ’N am bhi direudh na parapait ’S iomadh fear a thuit gu h iosal ’S peileirean bho bheul nan canan Tigh’nn nan deanamh ’s cha do phil sibh. ’S ge be co a tha fodh’n bhrataich Le cuid stiallan breaca ’n ordugh, Le dath dearg air fiamh na fala Mar ri suaicheantais na leoghainn. Bithibh dileas do an rioghachd, ’S do an tir am bheil ar comhnuidh. ’S na biodh reubaldach a chi sibh Gun a chur a dhith le cocraich ’S thig an t-sith mun cuairt a dh’aith ghearr ’S cha bhi dortadh fala buailteach ’S gun teid ceangal ’chur air Satan Agus cairear anns an uaigh e. Sgaoilidh fireantachd a Bhiobuill Anns na rioghachdan mun cuairt dhuinn; ’S cha bhi n Sultan mar a b-abhaist ’S gheibh Mahomed bas an uair sin. ’S ged tha mo chiabhagan air glasadh Agus m’astar air fas slaodach, Dhuirichdinn a bhi sa bhaiteal Ged a ghiorraichte mo shaoghal. Bhuailinn seachd le faobhar Shassuinn Mar bu chleachdte le mo dhaoine; ’S nan tachradh dhomh gun tiginn dhachigh Gheibhte ’n eachdraidh aig Mac Mhaoilean. [TD 58] [Vol. 1. No. 15. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 3, 1892. Tha moran de Frangich Chanada a bha o chionn iomadh bliadhna ’sna Staitean, a tilleadh dhachidh. Ranig aireamh dhiu Montreal air an t sheachduin s’a chaidh, agus tha tuilleadh ri tighinn. Tha iad ag radh nach eil e comasach dhaibh airgiod a dheanamh ann sna Staitean, agus gu bheil iad a dol a thighinn da’n duthich fhein a dh’ fheuchinn ri’m beolaind a dheanamh air an tuathanachas. Air leinn nach bi ’n uine ro fhada gus an dean muinntir an eilein so ’s nan duthchan an mun cuairt an ni ceudna. Tha e doirbh a thoirt a chreidsinn air moran gur fhearr dhaibh tamh aig an tigh agus an cuid fearinn oibreachadh, na bhi falbh bho dhuthich gu duthich feuch c’aite ’n airde ’n tuarasdal. Tha e na leasan fior dhoirbh leo ri ionnsachadh, ach mar is luaithe dh’ionnsicheas oigridh na duthcha so e, ’s ann is fhearr dhaibh fein ’s da’n tir da ’m buin iad. Tha pris an airgid air tuiteam ann sna Staitean agus an duigh chan fhiach na tha de dh’airgiod ann an dolar Geangach ach tri fichead sent ’s a coig. Cho fada so tha dolar airgid ann sna Staitean cho math ri dolar oir, ach nuair a tha pris an airgid cho iosal chan urrinn nach tuit pris an dolar luath no mall. Ann an Canada chan fhaighear air dolar airgid Geangach ach ceithir fichead sent ’s tha sin coig sentichean deug tuilleadh ’sa choir. Nuair a thig pris an dolar airgid cho iosal ri fhiach, caillidh gach aon aig am bi dolar coig sentichean deug. A thuilleadh air buinn airgd, tha bannan airgid aca, se sin Notichean paipeir a tha ri ’m paigheadh le airgiod nuair a thilleas iad gu ionmhas nan Staitean, Tha sinn ann an Canada a gabhail iad sin mar gum biodh iad cho math ris an or, ged tha deagh fhios aginn nach fhada gus am bi pris gach dolar dhiu sin sios gu beagan sa leth. Tha mu choig muillean dolair dhe’n t-seorsa so ann an Canada aig am so, agus ma thuiteas a phris, caillidh muinntir Chanada suas ri da mhuillean. Tha’n t-am aig an luchd riaghlaidh ullachadh a dheanamh air aon an droch latha sin a tha cinnteach ri tighinn, ’s areir barail moran nach eil ro fhad air falbh. UAMHAGAN A’ BHUN-TATA, NO NA DAOLAGAN STRIAMACH. Tha na meanbh-bhiastagan graineil so air fas lionmhor anns an duthaich agus tha iad a’ milleadh a’ Bhun-tata, a’ deasamh mor chall air na raointibh anns am bheil iad air an cur. Tha e air a radh gun do tharmaich iad so an toiseach anns an tir sin ris an abrar “Ciul-Ruada” (Colorado), agus bho’n aite sin gum bheil iad air bhi triall an ear, aig ruith ceithir fichead mile sa’ bhliadha, agus gu dearbh bu taitneach an ni e nan gabhadh iad air an aghaidh rompa a’ sior-dhol an ear gus an rachadh iad a mach air a’ chuan mhor Atlasach, far am biodh iad uile air am bathadh. Cha bhiodh duine air bith ’gan ionndrainn no bronach as an deigh. Ach is ann a dheanadh na tuathanaich uile gairdeachas nan cluinneadh iad gun deachaidh iad fodha sa’ mhuir. A thaobh an aite as an d’thainig iad air tus theirear na Daolan Ruadathach riutha mar ainm, agus is freagarrach an t-ainm dhoibh e, oir an uair a tha iad ’nan uamhagan tha iad ruadh ann an dath, gle choltach ri uamhagan nan caorach ’s nan uan. Is ann nuair a tha iad aig an inbhe so a ni iad call air a’ Bhun-tata le bhi ag itheadh nan duilleagan uaine. Ann an ceann uine araid gheibh iad sgiathan sligneach, striamach, buidhe agus dubh-ghhlas, striam mu seach buidhe agus glas. Beiridh iad sin uibhean ’nam miltibh a thig beo le teas na greine gu bhi ’nan uamhagan ruadha ag itheadh duilleagan a’ Bhun-tata. A thuilleadh air na sgiathan sligneach, tha sgiathan srolach aig na Daolan ruadha cho tana, min, ri sioda, agus a chionn gu bheil da phaidhir sgiathan mar so aig gach Daol, tha iad a’ sgiathalaich bho aite gu aite. Ach b’fhearr gun d’fhuaras a mach culaidh-sgrios eifeachdach gu cur us doibh. D. B. B. AS AN OBAN. Oban, C. B., Ougust 31mh. 1892. FHIR-DHEASACHIDH:—Tha mi gle thoilichte gu bheil a’ MAC-TALLA a tighinn air cheilidh orm gach feasgar Di-mairt agus cha bhi orm ach droch ghean mur tig e. Tha e na ni tlachdmhor gu bheil na gabhailtichean a dol an lionmhoireachd agus tha mi’n dochas gu’m bi a dha uiread agaibh aig ceann na bliadhna. Bu choir do Ghaeil Chanada a’ MAC-TALLA—an aon paiper Gailig a th’aca—a dheanamh ’na phaiper cho math ’sa gheibheiran aite sam bith. Bu choir do dhuine sam bith a leughas Ghaidhlig am paiper fhaotainn agus gu cinnteach cha bhi e duilich air a shon. MAC NEACAIL. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a’ dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 59] [Vol. 1. No. 15. p. 3] NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chuir Sidni Mines mu choig ceud dolair gu St. John’s. Rinn stoirm thairneanach milleadh mor air meacan an ceann a deas Shasuinn. Chaochail Deodora da Fonseca, a bha uair na Chean-suidhe air Brasil, air a 28mh la de dh’ Ogust. Thanig coig mile deug da luchd-imrich thar chuain gu Manitoba re nan seachd miosan a chaidh seachad. Fhuaireadh Seumas Anderson, duine beairteach a bha na thuathanach ’s na ghruideir, air a losgadh gu bas na shabhal fein aig Barrie, Ontario. Bha uisge fuar min a sileadh an Dakota fad da la air an t-sheachduin so agus rinn e milleadh mor air a chruithneachd, gu h-aridh air a chuid a bha air a ghearradh, Tha muinntir St. John’s an deigh seachd fichead mile dolair de dh’ airgrod fhaotainn bho ’n chaidh am baile na theine, a thuilleadh air gach seorsa bathair agus fiiodh. Tha coig duine fichead am Montreal a’s fhiach bho mhuillean dolair am fear gu coig muillean thar fhichead, agus da fhichead a’s fhiach bho leth muillean gu naoi ceud mile. Bha side gle fhuar ann am Manitoba oidhche no dha air an t-sheachduin so, ach cha d’rinn an reothadh cron sam bith air a bharr. Tha chuid is mo dhe’n chruithneachd air a bhuain. Bha fear Seumas Hughes a mhuinntir Charlottetown a coiseachd na chadal ann an tigh an Ottawa agus thuit e mach air uinneig. Ghoirbicheadh e cho dona ’s gun robh e marbh madainn Di-mairt so ’chaidh. O chionn bliadhna no dha bha luchd leubhaidh nam paipeiran gle eolach air ainm Sine Doyle. Bha i fhein agus Uileam Preeper air an cur a sas air son murt a fir. Tha Preeper anns an tigh-oibreach, ’s bithidh r’a bheo ach leigeadh Sine ma sgaoil ged is e barail gach aon gu robh i na bu chiontiche na Preeper. Tha i fein an drasd ag aideachadh gu’n do thilg i a fear le tuiteamas. Beagan an deigh dhi a cead fhaotinn bho’n lagh, phos i fear da’m b’ainm Chapman a Dartmouth nach robh ach ochd bliadhna deug a dh’aois. Dh’fhas iad coma dhe cheile an uine ghoirid ’s chaidh esan dhachidh gu tigh athair. O chionn seachduin no dha phos i fear eile, Byng. Chuir luchd ceartais mu dheibhinn greim a dheanamh oirre, ach air doigh-eigin thar as an lamhan. Tha i nis ann sna Staitean far am faod i dubhlan a thoirt do lagh Chanada. Chaidh fear Ioseph Gwyn a bhathadh ann san Acarsaid-a-Tuath, seachduin roimh ’n Di-luain s’a chaidh. Bha e fhein ’s a mhac air an turus a dol dhachidh ’nuair a chaidh am bata thairis. Bha an duin’ og na dheagh shnamhiche agus fhuair e gu tir. Tha dithis dhaoine mhuinntir Springhill, Padruig us Uilleam Mac Mhaoilean, sa phriosan air aon a bhi cur nithean air an rathad-iaruinn gus na carbadan a bhristeadh. Tha fianuisean laidir ’nan aghaidh ’s chan eil teagamh nach faigh iad beagan bhliadhnichean san tigh-oibreach. Thuit duine agus each sios da fhichead troigh ’sa coig ann am meim ghuail faisg air New Glasgow, oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. Ged is iongatach e ri innseadh cha do ghoirticheadh aon chuid an duine no ’m beathach, ’s bha iad an ceann la no dha cho mathsa bha iad roimhe. Ri stoirm a bh’ ann an Eilean a Phriunnsa an oiche roimhe, bhual an dealanach gille beag le Aonghas Caimbal an Dundas, agus mharbhadh e. Chaidh an tigh a mhilleadh agus ghoirtichedh Mr. Caimbeul fhein. Thanig laigse air agus nuair a dhuisg e fhuair e a bhean ’na laidhe air an urlar ’s a h-aodach a gabhail teine. Feasgar Diar-daoin s’a chaidh, thainig boirionnach ann an carbad gu dorus stor ann am Montreal. Cha robh stigh aig an am ach aon chleireach agus chaidh e thun a charbaid feuch de bha dhith air a bhana-choigreach. Thoisich i air a cheasnachadh a thaobh airgiod, agus chum i tri no ceithir mionaidean e. Nuair a chaidh e air ais fhuair e gu robh a h-uile sent airgid a bh’anns an tigh—mu shia mile dolair—air a thoirt air falbh. Tha nighean og, Lizzie A. Borden aig cuirt ann a Fall River, Massachusets, air son murt a h-athair ’s a mathair. Chan eil fianuis sam biah na h-aghaidh a dhiteas i, ach tha ’n luchd-lagha ’ga cumail an greim air amhrus. Tha aon ni fada na h-aghaidh, ’se sin nach e ’n aon sgeul a tha i ’g innuse do na h uile neach; bi’dh aon seanchas aice ’n diugh, ’s seanchas eile ’m maireach. Bha ’n luchd-lagha ’n duil gu robh cuis laidir aca na h-aghaidh an toiseach ach tha moran dhe’n bharail a nis nach eil i ciontach idir. Di-Luain s’a chaidh, dh’fhag a Bhanrigh eilean Wight air a turus gu Balmoral, sa Ghaidhelteachd. Loisg a h uile soitheach cogaidh a bha’m Portsmouth gunn’ ’ar fhichead ’g a failteachadh, ni nach d’rinneadh riabh o’n chaochail Prionns Albert. Bha bratichean a snamh ri gach crann ’s bha gach inneal-ciuil a seinn “Dhia gleidh a Bhan-righ.” Tha e na chleachdadh aig a Bhan-righ a bhi cur seachad greis dhe h-uine air a Ghaidhealtachd a h-uile samhradh. Air an turus so cha bhi duil aice tilleadh gu Lunninn gu ceann thri miosan. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 60] [Vol. 1. No. 15. p. 4] SEAN-FHACAIL. Ge fad an duan ruigear a cheann. Is fhearr unnsa toinisg na punnd leom. Far an laidh na fir ’s ann a dh’eireas iad. Cha do chord dithis riabh a’ cur tein’ air. Cha do mhill foighidin mhath duine riabh. Is fhearr sguab am bliadhna na adag an uiridh. Is fhearr caraid ’sa chuirt na crun ’sa sporan. Cha danig ubh mor riabh bho’n dreathann-donn. Ge dluth do dhuine ’chota, ’s dluithe dha a leine. Ge b’e ’s miosa, ma ’s e ’s treise, bidh e’n uachdar. Cha do sheid gaoth riabh nach robh an seol cuid-eigin. Ceann mor us muinneal caol, aogas an droch ghamhna. Gnothuch duine gun cheill, ’dol gu feill gun airgiod. Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i. Gille gun bhiadh gun tuarasdal, cha bhi e uair gun mhaighstir. Ma ’s math leat do mholadh, faigh bas; ma ’s math leat do chaineadh, pos. Is iomadh te ’bhios cearbach aig a bhaile, ’theid gu riomhach thun na feille. Chan eil ann ach Iain us Donull: Donull cho math ri Iain, ’s Iain cho math ri Donull. Ma chuireas tu do lamh am beul a mhadidh, feumaidh tu ’toirt as mar a dh’fhaodas tu. Tha ’n Cholera a sgapadh ’s gach aite. Ann an Ruisia, ’san duthchannan na h-airde near tha i bualadh ’s a toirt bas nan ceudan gach latha, ’s tha i nis air leud a coise fhaotinn ann sa Ghearmailt ’s ann sa Fhraing. Tha beagan di eadhon am Breatuinn. Fhuair dithis no triuir bas faisg air Lunninn,’s rinn na dotairean a mach gu’m b’ e ’n cholera a bh’orra. Dh’eug duine no dithis an Dundee, an Glaschu, agus an Liverpool leis a ghalair cheudna. Bu sheoladairean iad so uile no luchd-imrich a bha dol o’n Ghearmailt gu America. Tha ’n sluagh ann am Breatuinn a gearain nach eil an luchd dreuchd a deanamh na dh’fhaodas iad gus a phlaigh a chumail air falbh. Tha eagal air muinntir Chanada ’s nan Staitean gu’n dig i an taobh sa dhe’n chuan, ’s tha cuid de na dotairean am barail gu’n tig i thairis ameasg nan luchd-imrich Gearmailteach. ’S math an ni gu bheil an geamhradh a tighinn, oir cuiridh fuachd us reothadh stad oirre ’m beagan uine. Fhuaireadh leth-cheud peilear gunna mor agus moran de bharillean ghunnacha caola air grunnd abhinn Detroit, o chionn ghoirid. BARGAIN. B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 61] [Vol. 1. No. 16. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 10, 1892. No. 16. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha muinntir Uin York a cur rompa nach leig iad leis a cholera ttgh’nn da’n bhaile mas urrinn daibh. Chaidh corr us tri fichead mile ’s a ceithir deug ceann cruidh a chuir air falbh a Montreal bho thoiseach an t-samhridh. Mharbhadh da each le Robert Stiubhart, tuathanach an siorramachd Cumberland, le puinnsean a chureadh air barr buntata airson nan daolagan. Ranig an soitheach-smuid Moravia New York Di-mairt. Air a turus a Hamburg; dh’eug da dhuine fichead air bord ’s tha na dotairean ag radh gum b’ e meur dhe’n cholera a thug am bas. Mu mheadhon oidhche Di-mairt s’a chaidh, bhuail an soitheach smuid Bhreatunnach Morra air creig aig an eilean Mhanach. Bha sia ceud duine air bord aig an am, ach fhuaireadh a h-uile aon dhiu a thoirt gu tir sabhailte. Thanig sia mile deug de luchd-imrich gu Manitoba ’san Iar-thuath an uiridh agus gle fhaisg air aon mhile deug thar fhicdead am bliadhn. ’S a dh’aindeoin na tha dortadh ann gach bliadhna tha rum aig moran mhuilleanan ann fhathast. Chuir fear Iain Howard, agus a bhean geall coig mile dolair gu’n coisicheadh iad bho Seattle, Washington, gu Chicago eadar an coigeamh la dhe’n Mhart ’s an deichimh la de September. Ranig iad Chicago sia latha deug roimh ’n am, ’s bha iad gu math giobach. Aig Peperell, Mass, Di-haoine so chaidh, mharbh Uilleann Lively a bhean leis a pheileir, agus an sin dh’fheuch e ri cur as da fein. ’Se barail muinntir gu robh ise toirt achmhasan dha air son e bhi trom air an ol. B’ann a mhuinntir Nobha Scotia a bha Lively. Bha Mr. Gladstone la o chionn ghoirid a coiseachd ’am pairc faisg air a dhachidh, nuair a thug atharla chrosda as a dheigh ’s leag i e. Fhuair e cothrom eirigh agus a dhol air cul craoibhe far nach fhaigheadh am beathach thuige. Fhuair e as gun dhochann sam bith. Chaidh an atharla ’mharbhadh. Dh’fhag fear Iain Tait Montreal o chionn ghoirid ’s thug e na Staitean air. Dh fhag e na dheigh bean us sianar chloinne gun doigh ac’ air tigh’nn beo. Thug e leis air a thurus mile dolair de dh’airgiod muinntir eile, agus nighean bhoidheach Fhrangach, da bhliadhn ’thar fhichead a dh’aois. Aig Sidni Tuath, Di-domhnich sa chaidh, fhuaireadh fear Iain Dohnullach an croch ri craoibh mu dha cheud slat bho thigh fein. Chunnacas e nu dheireadh maduinn Di-sathuirne dol do’n choille le rop na laimh, an ceart rop air an d’fhuaireadh e ’n crochadh. Chan eil fhios air aobhar sam bith a bh’ aige atr tigh’nn ri bheatha ach gu robh e bochd. Bha e air leth laimh ’s bha e doirbh dha obair fhaotainn. Bha e da fhichead bliadhna ’dh’aois, agus dh’fhag e bean us teaghlach mor na dheigh. A chionn seachduin no dha, reic Innseanach da ’m b’ainm Rogers, gille ceithir bliadhna deug a dh’ aois a bha fuireach aige, ri sealgair Frangach air son tri dolair, dolar gu leth ’sa laimh ’s an dolar gu leth eile ’n ceann bliadhna. Rinneadh am bargan so faisg aic Ottawa an lathair fhianuisean. Bha ’n gille gle dheonach an t-Innseanach fhagail air cha robh e ro mhath air a dhoigh, ’s air uairibh cha bhiodh gu leor dhe’n bhiadh aca, ach bha e’n dail gu’m faigheadh e biadh gu leor aig an Fhrangach. Fhuaireadh fios an la roimhe gun do ghlac na Ruiseanich coig soithichean iasgich le Canada ’s leis na Staitean airson a bhi marbhadh ron ann sa chuan corr us deich mile fichead bho thir. Rinn iad so o chionn da mhios ged nach d’ranig fios Canada gus o chionn beagan laithean. Bhuineadh aon de na soithichean do Shidni Tuath. Ghlac na Ruiseanich a h-uile duine bha air bord agus thug iad orra ’n ainm a chuir ri paipeir ag radh gu robh iad ag iasgach ann an uisge bhuineadh do Ruisia. Bhagair iad am fogradh gu Siberia mur deanadh iad so. Chan eil rioghachd sam bith eile ’g agairt coir air uisge tha tri mile bho cuid fearainn ’s chan eil coir no ceartas air taobh nan Ruiseanach ann a bhi cuir bacadh air soithichean iasgich, ’s iad deich mile fichead bho thir. Tha sinn an dochas gu’n gabh Breatuinn a chuis os laimh ’s gam toir i sir Ruisia dioladh a dheanamh air son a chall us an anaceartas a rin i air na h-iasgairean. [TD 62] [Vol. 1. No. 16. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 10, 1892. B’fhearr leinn gu’m feuchadh gach neach a tha gabhail a MHAC-TALLA ri tuilliadh ghabhaltichean fhaotainn. N’m faigheadh gach aon a tha ’ga ghabhail an drasd aon neach eile gus a ghabhail, bhiodh aginn corr us mile gabhaltiche ’s rachadh aginn air a mheudachadh. Tha sinn an dochas gu’ dig ainmean us airgiod a stigh cho pailt eadar so us deireadh na bliadhna ’s gun deid aginn air pios math a chuir ris a MHAC Talla ’s tha fhios gur he sin durachd gach neach leis am math a Ghailig a bhi cumail a cinn suas. Chuireamaid an cuimhue d’ar leughadairean an tairgse a thug sinn dhaibh o chionn beagan uine a thaobh leabhrichean Mhr. Sinclair, “Na Baird Ghailig.’ Bheir sinn aon de na leabhrichean so do neach air bith a chuireas sia ainmean us tri dolair thuginn. Cuir dolair thuginn ’s gheibh thu leabhar agus bliadhna dhe’n MHAC-TALLA, no ma tha thu gabhail a MHAC-TALLA cheana, gheibh thu leabhar air tri fichead sent. BEATH-EACHDRAIDH TRIUIR LUCHD IMRICH. Mu thoiseach a’ chiad-bliadhna so, a tha nise faisg air an crich, thainig triuir dhaoine a nall a Glean-Urchadain, aig taobh-tuath Loch-Nis, agus ghabh iad comhnuidh ann an Siorramachd Phictou. B’iad na daoine sin, Rob Mac-an-toisich, Iain Grannd agus Uilleam Ros. Ghabh Rob Mac-an-toisich agus Iain Grannd tamh aig “Leitir-Greine,” an Braighe Glinne na h-Aibhne moire, no Abhainn-an-Ear Phictou, agus ghabh Uilleam Ros tuineachas air beinn araid air an d’thug e mar ainm a’ Bheinn-Ghorm. Bha da phiuthair aig Rob Mac-an-toisich, an te bu sine dhiubh d’am b’ ainn Cairistiona, no Caitriona, agus an te a b’ oige dhiubh, Mairearad no Maireagrad. Bha Cairistiona Nic-an-Toisich posda ri fear d’ am b’ainm Padruig Grannd ann an Gleann Urchadain, nach d’thainig idir do’n duthaich so; agus bha Mairearad Nic an-Toisich posda ri Iain Grannd a a dh’ainmicheadh chena. Bha nighean aig Padruig Grannd agus aig Cairistiona Nic-an-Toisich d’am b’ainm Ciorsdan; bha i so posda ri Uilleam Ros a dh’ainmicheadh mar tha, agus thainig i do’n duthaich so maille ris, far an do ghabh i comhnuidh air a’ Bheinn Ghuirm tri fichead bliadhna, agus bhi i ceud bliadhna ’s a tri de dh-aois muair fhuair i am bas, air dhi a bhi beo deich bliadhna an deigh bais Uilleam Rois. Bha ceathrar mhac aig Uilleam Ros so agus aig Cairistiona Ghrannd; b’iad sin, Domhnull, Alasdair, Uilleam agus Padruig. Bha Uilleam Ros ’na eildear anns an Eaglais air a’ Bheinn Ghuirm, agus bha a thriuir Mhac, Donull, Alastair rgus Padruig ’nan eildearaibh comhlath ris, anns an aon seisean chiadna air a’ Bheinn Ghuirm, aig an aon am. Fhuair Uilleam Ros am bas air 8mh la Dec., 1868, agus chaochail Donull a mhac bu sine air an 20mh la de ’n Mhaigh, 1878, ach tha a dhithis mhac eile a ta ’nan eildearaibh beo fathast, se sin Alastair agus Padruig, gidheadh chan ’eil Uilleam an treas mac beo bho cheann iomadh bliadhna. Aig Iain Grannd agus Mairearad Nic-an-Toisich bha seathnar mhac, Rob Fionnladh, Padriug, Uilleam, Alasdair agus Iain. Bha Rob agus Fionnladh a chomhnuidh ann an Leth-tir-Ghreine, far an robh an athair. Bha Padriug a chomhnuidh aig Abhainn Bharnaidh cho fhad ’s bu bheo e, agus bha Iain a tamh aig a’ Chala-Bheag (Little Harbor) far an robh e na eildear anns an Eaglais. Bha Fionnladh Grannd ’na eildear anns an Eaglais aig Letir-Ghreine. Bha triuir mhac aige, Alastair, Iain agus Uilleam. Tha Alastair ’na mharsanta agus na eildear ann am baile Ghlascho Nomha, agus tha Iain an aite athar na thuathanach agus ’na Eildear. Tha Uillenm Grannd, am mac a’s oige, na mhinistear anns an Eaglais aig Cow Bay, no Caladh-nam-Mart ann an Eilean Cheap Breatuinn. Aig Rob Mac-an-Toisich bha triuir mhac, Iain, Uilleam, agus Fionnladh. Ghabh Iain comhnuidh ann an aite ris an abrar Garadh Edein, far an do thog e teaghlach mor mhac agus nighean, agus tha moran diubh an sin gus an la an dingh. Bha Uilleam agus Fionnladh a chomhnuidh eadar a’ Bheinn-Ghorm agus Leitir-Ghreine, far am bheil an sliochd ri fhaotainn fhathast. Tha iarmad nan tri daoine so, Rob Mac an-Toisich, Iain Grannd, agus Uilleam Ros, lionmhor measail anns an duthaich, agus nan daoine crabhach feumail anns an Eaglais. Tha an gealladh air a choilionadh dhoibh, “Mairidh trocair Dhe do’n dream d an eagal e, agus fhireantachd do chloinne an cloinne-san.” D. B. B. Chaidh soitheach-smuid a bhristeadh air Loch Michigan Di-mairt, ’s bhathadh sia duine fichead. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAØR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 63] [Vol. 1. No. 16. p. 3] MEIRLEACH GHLINN-AMAIN. Bha la gu’n robh moran tuatha bheaga ann an Gleann-amain an Siorramachd Pheairt, ged tha e an duigh fo chaoirich. Bha iomadh teaghlach sona far an gann a ghabhas na laraichean faicinn a nis. Is ann an sin a bha am blathas agus an cairdeas anns a’ ghleann, ach chaidh na gillean calma agus na h-igheana thlachdmhor a ruagadh thar chuaintibh, agus na tighean seasgair a leagail a dheanamh aite do na caoirich. Aig an am anns an robh an gleann fo lan aiteachadh bha spreidh ga ’n goid gu tric agus gun fhios co bha ga dheanamh. Na ’m biodh mult lan reamhar aig fear airson a theaghlaich dh’ fhalbhadh e mar gu ’n sluigeadh an talamh e. An laogh bha ga bhiathadh air son cuirme, rachadh a thoirt bharr an naisg. Bha chuid a b’ fheart d’ an chrodh agus de na caoirich ga’n togail a dhaindeoin gach seoltachd. Bha lan chinnt gu ’n robh am meirleach anns a ghleann, co air bi e. B’ iomadh oidhche bha gillean tapaidh, furachar na’n caithris airson a mheirlich ach cha ’n fhac iad riamh e. Cha bu luaithe leigeadh iad diubh bhi ri faireadh na bha am meairleach air seol mar bha e roimhe. Cha ’n e mhain gu’n robh crodh agus caoirich a’ falbh, ach bha ’n caise, an t-im agus an t-aodach a’ gabhail sgiathan doibh fein. Bha gun teagamh amharus air fear no dha, ach cha robh ann ach barail. Aig deireadh an fhogharaidh bha ceithir ghillean oga a’ pilltinn dachaidh o’n Fheill-Micheil a bhaile Chraoibh. An uair a bha iad a gabhail na slighe bha iad an drast a’ togail luinneig gu sunndach agus a rithist is ann bha iad an impis bhi ’n sgornanan a cheile agus tiota beag an deigh so cha robh air an t-saoghal na bu chairdeile na iad, Tuigear le so gu’n deachaidh an drama an ceann nan gillean, agus gu’n robh iad co lan misneachd ri ceithir leoghainn. Bha an oidhche air fas’ gle dhorcha mu ’n do rainig iad fagus do Choineachan Chionn nach robh fear diubh dol na b’ fhaide rinn iad suidhe ri taobh an rathaid gu drama eile bhi aca. “Faicibh, fhearaibh, arsa Domhnull beag, “far a bheil a’ ghealach an nochd. Cha chreid mi nach ’eil i air seacharan.” Sheall cach ri taobh deas a’ ghlinne agus chunnaic iad fagus do mhullach na beinne solus dealrach. Bha fhios aca nach robh e coltach gu’m biodh neach an sin aig an uair sin a dh-oidhche. “Cha ni cneasda tha ’n sin,” thuirt Seumas agus crith oilte air. “Biodh e cneasda no neo-chneasda,” ars’ Iain mor, agus e ag eirigh agus a’ bualadh a dhuirn air a bhois, “is mise an duine nach gabh eagal roimhe, agus bidh fhios agamsa ciod a th’ ann mu’n tig ach goirid.” Le so thug e null troimh an abhainn. Bu nar le cach gun bhi co treun ris; thog iad orra ris an uchdaich, ghairbh, chas sin gus am b’ eiginn doibh stad car tiota. Chum iad ris an t-solus co direach ’s a b’ urrain doibh. Air direadh dhoibh mar so fagus do mhile astair, thug iad fainear gu’n robh an solus a’ dealradh a mach a toll a bha am bun creige aird: Bha iad a nis a’ tighinn gu tur agus tuigse agus mar bha iad a’ dluthachadh air an t-solus bha iad a’ gluasad na b’ fhaicilliche air eagal gu ’n cluinnteadh teilmirich an cosan air an sgarnaich. Rainig iad mu dheireadh an toll as an robh an solus a’ dealradh. Chunnaic iad an sin uamh. Bha teine sunndach air meadhon an urlair agus mu ’chionneamh bha duine mor ruadh na shineadh air leaba fhraoich. Bha spag uain aige air bior ris an teine. Bha e aig an dearbh am a’ cluich air na trompan agus a’ cur car d’ an bhior le ’chois. An uair a bha na gillean a’ sealltainn air car tachdan, rinn Domhnull cagar an cluais Iain mhoir gu ’m b’e sud an meairleach. Cha robh iad fada an teagamh mu ’n chuis so, oir thug fear na h-uaimh na trompan o ’bheul agus thog e an luinneag: Tha meairleach nan slad Ann an caol Ghlinn-amain; Is eolach tha ’cheum Mu bhruachaibh na h-abhann. ’S iomadh bo tha gun laogh, ’S iomadh caor tha gun uain; Is bronach an gaoir Da thaobh Ghlinn-amain. Cha d’ eisd Iain mor ri tuilleadh d’an oran an uair bha e stigh agus an greim ann. Mor agus mar bha Iain cha b’ fada bhiodh a’ ghleachd dol a dh-aon taobh mur biodh aige ach e fein. Bha beul na h-uaimh cho chumh an ’s nach faigheadh ach fear an deigh fir a stigh. Rinn am meairleach strith uamhasach ach b’ eiginn da striochdadh, agus cheangail na gillean a lamhan air a chulaobh. An uair a fhuair iad buaidh air a’ mheairleach, thug Iain suil air spag an uain. “Nis, fhearaibh,’ ars’ Iain, “Cha bu mhiste sinn greim suipeireach an deigh na thachair agus tha ’n spag so a nis deas.” “An e gu’n ithinnse feol bhradach,” arsa Domhnull, “cha teid mir am bheul di.” “Mur ith thusa di, fag i, ach is aon amhaich a dhiolas air, agus mur ’eil mi meallta is e an t-uan dubh agad fhein a th’ ann; faic sud an ceann aige.” Sheall Domhnull agus dh’ aithnich e an ceann dubh a dh’ fhag e gu tearuinte aig baile mu’n deachaidh e chun na feille. Bha e ’n cuthach co mor ’s gu’n cuireadh e as do ’n mheairleach an sin fein, ach chum cach bacadh air. Fhuair na gillean biadh de gach seorsa anns an uaimh agus dh’ ith iad gu cridheil An uair a rinn iad so, thuirt am meairleach. “Bho’n thachair mar thachair, gheibh sibh pige de dhuisge-beatha air cul na cloiche ud thall. Tha e co math sibhse ga ol agus fhagail an sin.” Thug iad lamh air an uisge beatha, dh’ ol iad air a cheile agus thug iad drama do ’n fhearr ruadh. Bha na daoine fas sunndach agus mu dheireadh bha am meairleach cho chridheil ri aon diubh. “Thugaibh an aire duibh fein,” thuirt Seumas, “agus togaibh de so. Cha n’ iarradh an crochair mor so na b’ fhearr na ’n daorach a chur oirnne agus is e sin a bha na ’bheachd le bhi co fialaidh.” “Tha thu ceart,” fhreagar each, “bheir sin an srath oirnn.’ An uair a rainig iad an srath cha robh cadal ann an oidhche sin, Bha gach neach a’ ruith a dh’fhaicinn a’ mheairlich agus a’ cumail suil nach faigheadh e as. Moch anns a’ mhaduinn chaidh ann meairleach a thoirt do Chraoibh far an do chrochadh e. Tha Toll a’ Mheirlich air fheuchainn gus an latha duigh, agus the iomadh neach dol astar ga fhaicinn. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 64] [Vol. 1. No. 16. p. 4] TOIMHSEACHAN. Ged shuibhlas tu’n domhan cha tachair thu orm: Cha ’n fhaic thu mi fos anns a’ chuan: Is diomhain do rannsach’ ’s na speuraibh ard, gorm; Cha bhuin mi do’n ghaoith ’n uair a dh’eireas an stoirm, No na siantan ’n uair ’tha iad ’n an suain. Gidheadh, tha mo chomhnuidh ’s an talamh a ghnath, A’s na reultan, cha chuir iad rium cul; Teas-meadhoin na gaillin, cha ’n fhag mi gu brath; Tha mi ’n toiseach na luingge, am sheasamh, gach trath, ’S aig an sgiobair an sealladh a shul. An ear no an iar, an deas no an tuath, Ged nach amais thu ormsa am feasd; Gidheadh, tha mi ’g imeachd ’s an dealanach luath: Agus fos anns gach baile, a’s far am bi sluagh, Gheobh thu ghnath mi a’ tathaich gun cheisd. Ged nach iarr mi ’bhi ’n cuideachd no ’n comunn nan daoi, Gheobh thu daonnan mi far am bi ol: Ach faic mi ’s an eaglais a’ toiseach’ na laoidh, Anns an t-salm ’s mi a’s airde, ’toirt barr air gach saoi; As m’ eugmhais ghrad sguireadh gach ceol. ’S mi priomh-fhear nan luinneag, ’s tha mi ard ann an cliu, Air fidheall ’s air clarsach le cheil’: Ged as gramail am builllibh mi, coma co-dhiu, Do “thoiseach na tapaid” cha ’n fhaic thu mi dhluth. ’S ann a roghnaichinn “deise na feill.” Fa-dheoigh, ’n uair a leigeas am bas thu mar sgaoil. Bidh mi ’n doilgeas ’s an trioblaid ro chruaidh: ’S mi ’n cuispair ma dheireadh, a chi thu, ’s an t-saoghal, Bidh mi fos aig ceann-adhart do leabaidh fhuar, chaoil, Ach cha ’n fhaic thu mi’ chaoidh anns an uaigh. (Fhuair sinn a Toimhseachan so bho aon ’dar gabhalaichean. Bi Freagairt anns an ath aireamh.—Fear-Deasachidh.) Di-sathuirne s’a chaidh fhuair luchd, riaghlidh Halifacs fios a Amherst ag iarridh stad a chuir air duine da ’m b’ainm Smith agus nighean da’m b’ainm Halfpenny a theich as a bhaile sin. Ranig a charaid Halifacs mu’e d’ ranig am fios. Thanig athair us brathair na h-ighinn air an toir an latha sin fhein agus an deigh am baile ’rannsachadh maille ri naor, fhuaireadh a charaid ann an tigh air sraid Creighton ’s iad a deanamh deiseil gu posodh an latha sin fhein. Bu duine dubh Smith ’s cha robhe idir toilichte gu’n deachidh dail a chuir sa phosadh. Tha ’n treubh Innseanach ris an abar na h-Apachich ri creachadh mor ann an Arizona a deas, ’s tha eagal air an t-sluagh gheal gu ’m bi cogadh, fuilteach ann mu’n stad iad. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith, air son Im aig pris, airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm,” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 65] [Vol. 1. No. 17. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 17, 1892. No. 17. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mc Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Cha b’ fhiach an oighreachd aig Tearlach Stiubhart Parnell an deigh a bhais ach coig mile punnd. Thairg neach eigin sia fichead mile dolair air son lan choir fhaighinn air cnothan a ric aig Feill an t-Saoghil air an ath bhliadhna. Chaidh duin og da’m b’ainm Cantivell a mhuinntir a Bhras D’Oir Bhig a mharbhadh ann am Meinean Victoria air an t-seachduin s’a chaidh. Chaidh stor ceanniche ann an Siorrachd Chumberland a bhristeadh am oidhche roimhe agus ghoideadh fiach ceud gu leth dolair de bhathar, ’s ceithir dolair dheug de dh’airgiod. Thanig an soitheach Frangach Drac do’n acarsaid Di-luain s’a chaidh, ’s dh’fhag i Di-ciaduin. Thanig an La Clocheterie a stigh Di-mairt ’s tha duil aice falbh an ceann latha no dha. Ann an iorghuill an Cornwall, Ontario, mharbhadh maor, agus leonadh dithis eile, le fear da’m b’ainm Mc Mahon a bha as a rian leis an deoch laidir. Leonadh fear dhe na daoine cho dona ’s nach bi e beo. Bha’n t-side gle thioram ann an cearna de New Zealand air an t-samhradh s’a chaidh, ’s tha barr dhe gach seorsa gle ghann. Ann an cearn eile dhe’n duthich bha moran barra air a mhilleadh leis an uisge. Chaidh bean a mharbhadh leis a Charbad-smuid faisg air Montreal Di-luain s’a chaidh. Bha i a feuchinn ri gille beag a bha san rathad air a charbad a thearnadh agus bhuaileadh i fein mu’n d’fhuair i air falbh. Chaidh na casan a ghearradh dhe’n ghille ach dh’fhagadh beo e. Tha fios a Victoria, an Columbia Bhreatunnach, ag radh gu bheil soithichean iasgich a tilleadh bho mharbhadh nan ron agus pairt de’n sgiobachan air chall orra. Chaill aon soitheach sgioba da bhata agus soitheach eile sgioba aon bhata. Tha iad a deanamh gun d’fhuair na Ruiseanich greim orra ’s gun d’thug iad leo iad nam priosanich air son a bhi marbhadh nan ron. Tha e air aithris gu bheil tri duine deug tinn leis a cholera am baile Niu York, agus gu’n d’fhuair dune no dithis am bas. Tha luchd riaghlidh a bhaile ’deanamh na dh’fhaodas iad gus an galair a chumail gun sgapadh. Tha moran a Nobha Scotia a tighinn gu Feill Cheap Breatuinn aig Mabou am bliadhna, ma bhios an t-side fabharach, rud a tha sinn an dochas gu’m bi. Tha ’n rathad iaruinn a toirt cothrom dhaibh air tighinn nach robh aca ’sna bliadhnichean a chaidh seachad. Di-haoine air an t-seachduin s’a chaidh, chaidh an sabhal aig Nial Mac Aonghais aig Sandfield ’am Maira na theine. Bha gille beag leis a cluich ann san t-sabhal agus areir coltais ’s esan a dh’fhag tein’ ann. Tha so na chall mor air Mr. Mac Aonghais, oir bha chuid feoir us barra uile ’san t-sabhal. Tha gille og da’n ainm Moore ’sa phriosan an Sidni-a-Tuath air son litrichean us stampichean a ghoid a Oifig a Phosta. Bha e ris an obair so o chionn dha no tri ’mhiosan. Tha duine no dithis ann sa bhaile bha ceannach na’n stampichean uaithe, ’s tha ’n lagh a greimeachadh orra sin mar an ceudna. Tha lagh ann sna Staitean a bacail do neach sam bith tighinn do’n duthich sin ma tha gealladh aig air obair fhaotinn nuair a ruigeas e. Chaidh tuathanach a Dakota gu Manitoba o chionn ghoirid ’s dh’fhastaidh e daoine air son a chuid cruithneachd a bhuain. Nuair a ranig na daoine sin a chrioch eadar an da dhuthich thachir orra oifigich an lagha ’s b’fheudar dhaibh tilleadh dhachidh. Rinneadh an lagh so an toiseach air son ceartas a chumail ri muinntir nan Staitean, ’se sin nach biodh obair sam bith air a thoirt do mhuinntir duthcha eile fhad sa bhiodh daoin’ aig a bhaile gus a deanamh. Chan eil teagamh nach eil an lagh so a cuideachadh gu sin a dheanamh, ach ’s e gle bheag, agus is gann a’s fhiach do dhuthich cho mor, cho beairteach, agus (ma chreidear i fein) cho saor, ri Staitean Aonichte America a bhi leantuinn ri lagh nach eil ri feum sam bith dhi fein, ’sa tha cosnadh gamhlas agus fearg dhi. Ach, a reir coltais, ’se sin an aon ni a tha dhith air an dream a tha ’ga riaghladh aig an am so. [TD 66] [Vol. 1. No. 17. p. 2] MAC-TALLA. Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir. Seolaibh gach litir ’us eile gu J. G. McKINNON, MAC-TALLA, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 17, 1892. Ann san ath aireamh gheibhear eachdridh air Fogradh nan Gaidheal as an tir fein, air a sgriobhadh leis an Urramach D. B. Blair. Bhitheamid an comain neach sam bith a chuireadh thuginn na h-aireamh an de’n MHAC-TALLA ’thanig a mach air Iulaidh 23, Iulaidh 30, Ogust 13, agus air Ogust 20. Ma tha na h-aireamhan sin aig neach sam bith ’s nach eil e ’n duil an gleidheadh e fein, dheanadh e gle mhath an cuir air adhart gun dail, oir tha sinn ro dheonach am faotinn. Tha sinn an dochas gu’n dean na Gaidhil ann sgach aite an dichioll air tuilleadh fhaotinn gu bhi gabhail a MHAC Talla. Tha e ’nar beachd, ma’s urrinn duinn, am paipear a dheanamh beagan na’s mo roimh thoiseach na h-ath bhliadhna, agus tha sinn ag iarridh air gach neach aig am bheil meas air a Ghailig cuideachadh a dheanamh leinn. Chan urrinn duinn am paipear a mheudachadh gun aireamh mhath de ghabhaltichean ura bhi aginn, gus feumidh sinn sealltuin ris na cairdean a tha aginn cheana air son cairdean eile dheanamh eolach oirnn. Tha sinn a deanamh na dh’fhaodas sinn gus paipear a thoirt do na Gaidhil nan cainnt fhein, ni nach robh aca roimhe, ’s bu choir do gach fior Ghaidheal gach ni ’na chomas a dheanamh gus a chumail air adhart. Di-sathuirne s’a chaidh, chaidh Hedleville, baile beag faisg air Quebec a losgadh cha mhor bho cheann gu ceann. Chailleeadh mu cheud tigh agus dh’fhagadh bho choig gu sia ceud duine gun dachidh. Tha ’n call air a mheas aig ceud mile dolair. Chaidh soitheach-iasgich Geangach a ghlacadh faisg air St. Andrews, New Brunswick air son a bhi ’g iasgach an taobh a stigh do thri mile bho’n chladach. ’S i so a cheud soitheach a ghlacadh air a bhliadhna so air son iasgach mi-laghail. FEAR-IMRICH EILE Dh’ ainmich sinn ann an aireamh roimhe so gun d’thainig triuir dhaoine a Gleann-Urchadain gu Leitir-Ghreine ann am Braighe na h-Aibhne-n-Ear aig Pictou, b’iad sin Iain Grannd, Rob Mac an Toisich agus Uuilleam Ros. Thainig mar an ceudna Seumas Siosal agus ghabh e comhnuidh laimh ri Iain Grannd agus Rob Mac an Toisich ann an Leitir-Ghreine. Bha Seumas Siosal so na ghobhainn agus bha teaghlach mor aige. Bha aon d’ a mhic d’an b’ainm Eoghann, a dh’ fhuirich ann an aite athar, agus a thog teaghlach lionmhor mhac agus nighean. Thainig na daoine so uile a nall a gleann Urchadain air a ’bhliadhna 1807, ach a mhain Uilleam Ros nach d’ thainig gus a’ bhliadhna A. D. 1818. Bha mac aig Eoghann Siosal d’ am b’ ainm Seumas; agus tha ’m fear so fuireach a nis ann an aite athar, agus a shean-athar an gobhainn. Tha fear eile mhic Eoghainn Shiosail a’ tuineachadh laimh ri Seumas air earrainn do ’n fhearann a bha aig athair laimh ris an Eaglais aig Leitir-Ghreine. (Sunny-Brae) Thainig na daoine so nall a chionn gum b’ eigin daibh tir an duchais fhagail, nuair a thoisich uachdarain shanntach, ain-iochdmhor, chruaidh chridheach, ri an duthaich a dhi-larachadh le bhi fogradh an t-sluaigh air falbh, agus a’ cur chaorach ’nan aite air son bunnachd shaoghalta agus airgiod a chosnadh dhaibh fein, agus iad coma cia dhiu ciod a thachradh do na doinibh bochda, ged a rachadh iad fodha anns a’ chuan. Ma gheibh sinn cothrom faodaidh sinn beagan iomraidh a chur sios air an obair so agus air imrich nan Gaidheal gu America. D. B. B. Tha fios a Alba ’g innseadh gu robh soitheach ur air acaire ’n Abhuin Chluaidh mu choinneamh baile Ghrianaig luchdichte le fudar. Chunnic feadhinn a bha air a chladach dearrsadh soilleir de sholus, a thug am fradharc uapa car mionaid. Nuair a dh’eirich an toit beagan, chunnic iad gu robh an soitheach air a bristeadh na piosan beaga. Air tir, chaidh uinneagan a bhristeadh ann an tighean-comhnuidh ’s ann am buthan a bha faisg air a chladach, ’s bha cuid de na seann taighean a chrithnich a null ’sa nall mar gu’m biodh crith-thalmhinn ann. Cha n eil fhios ciamar a ghabh am fudar teine, ’s tha e na ni neonach a thaobh an sgiorridh so nach deachidh duine mharbhadh. Loisgeadh an sgioba gu dona, ’s chaidh cuid diu a thilgeadh ’san uisge, ach fhuair iad uile gu tir. Thachair so air Di-sathuirne an treas latha dhe’n mhios. Oidhche Di-ciadinn, air an t-seachduin s’a chaidh, mharbh bearradair dubh a mhuinntir Amherstbnrg, an Ontario, a bhean agus dh’fhench e an sin ri tigh’nn ri bheatha fein. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. [TD 67] [Vol. 1. No. 17. p. 3] AM MINISTEAR TREUN (Scottish Highlander.) Bha ann roimhe so duine, ris an abradh iad Martainn Mac’ Ille Bhric, a bha ’na mhinistear-sgire Locha Buidhe ann an Eilean Mhuile. B’ ann do chlann’ ill’ Eathain a bhuin an duthaich mu’n cuairt na h-eaglais a bh’ aig Martainn agus bha e mar choir dha ’stipinn a thoirt bhuapa. Tha seanfhacal a’ radh “Mac ’ill’ Eathain Locha Buidhe, ceann-uidhe nam meirleach.” Ri linn Mhartainn bha ceann cinnidh de ’n fhine-so ’na fhear borb feargach agus bu mhairg do ’n duine a sheasadh na’ aghaidh. De thigeadh air ach gu ’n diultadh e chuid fhein de’n stipinn a phaidheadh do ’n mhinistear. Cha b’ e sin uile, oir leig e ruith le theangaidh gheur a’ dianamh sgeig is fanoid air an duine bhochd. Anns na laithibh sin bha na ministearean ’nam fior-Ghaidheil. Cha do sheap iad air an ais is air an aghaidh le trusgan dubh Sussunach umpa, ach bha iad daonnan anns an Eaglais na as an Eaglais ’an eideadh boidheach duthchasach na Gaidhealtachd. Bu mhath an sealladh a bhi faicinn nam ministeirean fearail sultmhor th’ againn a nis, a’ tighinn a stigh do na cubaidean air an sgeadachadh le feille is breacan de sean thartan nan cleireach. Tha fios gu bheil cuid dhiubh cho fior Ghaidhealach ’nam cridhean fein s’ gu’n dianadh iad sin mur bhitheadh eagal an t-sluaigh orra. Ach tha sinn ’dol troimh ar naigheachd. Chaidh innseadh do Mhartainn na rinn ’s na thubhairt Mac Ill Eathian na’ aghaidh agus chuir e roimhe nach b’ fhada gus am faigheadh e ’dhleas-fhein. Shocraich e ’bhreacan thar a ghualain, sgrog e’ bhoineid nuas air a cheann agus le claidheamh mor nan crios r’a thaobh ghabh e’n t-slighe bu ghiorra gus a’ chaisteal. Rainig e far an robh Mac ill Eathain agus gun mhoran a radh thug e air thuigsinn ciod a bha ’ghnothach leis. Chual ’an triath e gun stad a chur air, ach bha gruaim a tighinn air ’aodann, agus nuair a thainig am ministear gu deireach a sheanachais, ghlaodh Mac ill Eathain, is e ’na lan-fheirg, “Am b ’ann mar sin a labhradh tu riumsa. A mach thu air eagal gun toir mi an ceaan dhiot,” agus le ioma facal eile nach iomchuidh ’aithris mhionnaich e nach tugtadh a’ bheag bhuaithe. Ach co dhiu sheas Martainn gu dana gu stolda ’na lathair. Anns a’ bhruidhinn a bh ’ann chuir e lamh air dornlach a chlaidheimh. Mhothaich Mac ill ’Eathain so, is thuirt e, “De a ni thu leis?” “Chi thu ann an tiota mur paidh thu an t-airgiod.” Bha ’n triath ro mhath air a’ chlaidheamh agus smuaintich e gun robh cothrom aige beul a’ mhinisteir a dhunadh car uine no theagamh gu brath, is thuirt e “Tha mi deonach a chall ma chuireas tu mo dhruim ris a ’bhalla.” Bha Martainn lan thoilichte, is chord iad ri sin. Is gann a thoisich iad air a’ chlaimhearachd nuair a thuig Mac ’ll ’Eathain gu’m be a choimeas a bha ’na aghaidh, agus cha b ’fhada gus an deigh dha an triath a chur air a ghlun thug Martainn an lann bhuaithe is thuirt e ris, “B’fhearr dhuit an t-airgiod a thoirt gun stri air bith.” Cha b’ fhearr, “ars Mac ’ll ’Eathain,” oir tha fios agam a nis gur duine gasda tapaidh thu ann an gniomh cho math is ann an focal. So dhuit mo lamh. Bha iad ’nan dluth chairdein an deigh sin. TOIMHSEACHAIN. BHO A. B. C. (1) Latha dhomh ’s mi siubhal bheann, Chunnaic mi na b’ ioghnadh leam— Fichead suil ’s an aona cheann, ’S deich teangannan a’ bruidhinn rium! (2) Thainig e a feoil, ’S cha ’n ’eil feoil ann, Innsidh e naigheahd, ’S gun teanga ’na cheann. (Freagairt an Toimseachain anns an aireamh mu dheireadh:—An litir “L.” Faic an ath aireamh airson freagairtean nan Toimhseachain so.) Cha chualas iomradh air Caiptean Lawlor bho’n dh’fhag e St. John’s, Newfoundland. Thanig litir am broinn bocsa beag fiodha gu tir aig Nahant ’sna Staitean ag radh gu robh e air an ochdamh la de dh’ Iun air a chuan mhor ann an stoirm, an deigh na siuil a chall, ’se gun bhoinne uisge. Tha so gle mhi-choltach, oir cha d’fhag e Sidni-a-Tuath gu deireadh a mhiosa sin. Ach cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged nach cluinnte ’n corr mu dheibhinn. Tha Bord na Slainte (Board of Health) ann an Quebec an deigh lagh a dhianamh a tur bhacadh luch-imrich, a duthchannan sam bheil an Cholera, tighinn air tir. A dh’aindeoin so tha soithichean air an turus a Hamburg gu Quebec, ’s tha iad ag radh ma chuirear dragh sam bith orra gu’n toir iad a chuis air beulaobh an luch-driaghlidh an Ottawa. Tha iad ag agirt nach eil cumhachd aig Riaghladh Chuibec air bacadh sam bith a chuir orra. Bhathadh Caiptean Micheil Legisworth agus mac dha faisg air Georgetown, an Eilean a Phriunnsa, Di-haoine s’a chaidh. Bha iad a nuigh ag iasgach agus thuit an gille air doigh-eigin a mach as a bhata. Chaidh ramh a shineadh dha ’s fhuair e greim air. Leum athair a mach an sin gus a thearnadh ach bhathadh iad le cheile. Tha Pic-nic gu bhi aig Louisburg Diciaduin s’a tighinn air son cuideachadh leis an eaglis ur Chleireacheil a tha iad a togail ann sa bhaile sin. Tha muinntir Sidni-a-Tuath a dol a chuir cabhsairean cloiche air na sraidean. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Suathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 68] [Vol. 1. No. 17. p. 4] CNOIC IS GLINN A BHRAIGHE. Na cnoic is glinn ’bu bhoidhche leinn ’S iad cnoic is glinn a Bhraighe, ’An tric ’bha sinn ri manran binn ’Sa chomunn ghrinn a b’ fhearr leinn. Cha ’n fheil ait an diugh fo’n ghrein ’Sam b’ fhearr leam fein ’bhi ’tamhachd Na Braigh-na-h-aibhne ’m measg nan sonn O’m faightedh fuinn na Gailic. Do bhruachan gorm ’sam faighteadh spreidh, Do ghlacan reidh gun aireamh, Mar uachar thonn, ’s an soirbheas trom, A ruith gu bonn nan ard bheann. Gu pailt gach flur a fas gu dluth Air maduin chubhraidh Mhaigh ann; Gach doire beo le ceol nan ian ’N uair ’dh’eireas grian le failt ann. Bidh sruthain fhuar de ’n uisge ’s glaine ’Bruchdadh ’mach mu rath’dean; Bidh crodh ’us caoraich pailt ri ’m faotuinn ’Feadh nan aodunn arda. Gur ceolmhor fuainn na h-aibhne lium Is sruthain chuin fo ’h-aithean; Cho fad ’s a shiubhlas i gu cuan, Cha doir mi fuath do ’n Bhraighe. Gur lionmhar fear ag iasgach bradain Mu do chladaich bhana; Daoin uaisle Shasuinn ’tigh’nn an nall A chosg an t-samhruidh lamh-ruit. Air gach frolic, bal ’us banais Gu’m bi caithream gradhach, Le ceol na fidhle ’dol ’san ridhle,— ’Cosg na tim mar b’ aill leinn. ’Siomad fleasgach laidir grinn A chaidh ’s na glinn ud arach ’Us maighdean gle ghlan, dhireach, og, Le ’h-aodunn boidhech, narach. ’S i ’n ainnir dhonn a’s binne fonn A choinnich rium Di-mairt ann, ’Sa thug fo chis gu daingean mi,— Mo sholas cridh ’bhi laimh-ri! Do chomhradh ciuin tha ’tigh’nn air m’ aire, ’Ribhinn bhanail, bhaigheil; Gun d’fhuair thu buaidh bho nadur fein A chuir mor speis aig cach ort. Soraidh leis a chomunn rioghail Bhon is tim dhomh ’m fagail; Gur tearc ri ’m faotuinn feadh an t-saoghail An diugh daoin’ ’bheir barr orr. C. Tha suil aca-san a tha ris an obair-uisge, gu’m bi n t-uisge ’sa bhaile mu’n tig fuachd a gheamhridh. Tha chuid a’s mo dhe na pioban a nis air an larich deiseil gus an leagail ’san talamh. Air leinn gu bheil Sidni feumach air an uisge sin, oir nam biodh deoch de dh’uisge ceart uainn an drasd, cha bhiodh fhios aginn c aite ’n rachamid ’g a iarridh. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris, airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUGH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MAC FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. COMHRADH “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da, ’m b’aithne charadh.” [Nos. 18, 19, 20, 21, 22 a dhìth] [TD 69] [Vol. 1. No. 23. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 29, 1892. No. 23. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha da dhotair us ban altrum ann an Toronto tinn leis a bhric. Tha e air a radh gu bheil am barr nas miosa ann am Breatuinn am bliadhna na bha e o chionn leth-cheud bliadhna. Tha ’m ball is oige ’m Parlamaid Bhreatuinn da bhliadhna ar fhichead a dh’aois, ’s tha am fear is sine an taobh thall de cheithir fichead bliadhna sa deich. Rugadh air dithis bhraithrean a Bangor Maine, ann a Halifax an la roimhe, ’s chuireadh iad dha’n phriosan air son airgiod us nithean eile a ghoid a taigh bordidh sa bhaile. Theich fear dhiu as a phriosan air feadh na h-oidhche. Tha’m fear eile stigh fhathast. Aig Brampton, Ontario, an la roimhe bha dithis dhaoine, Patrick Oneil us Uilleam Keating ag ol cuideachd. Thanig rud-eigin eatorra ’s thug Oniel a mach sgian agus mu’n d’feuaireadh stad a chuir air leon e ’m fear eile cho dona e ’s nach urrinn dha bhi beo uine sam bith. Tha fios a Hong Kong ag radh gu bhei an Abhainn Bhuidhe ann a China an deigh a dhol thar a bruachan a rithist agus da ri bhaile deug air a sguabadh air falbh leis an tuil, ’s moran dhaoine air an bathadh. ’Si so an Abhainn a chluich an cleas ceudna o chionn dha no tri bhliadhnichean ’s a rinn call mor. Air an 6mh la dhe’n mhios so dheug seann duine da ’m b’ainm Iain Allen faisg air Laurel an Delaware. Bha e tri fichead bliadhna ’s deich aig am a bhais agus bha e comhnuidh ann an seann tigh faisg air an rathad iaruinn anns an robh e beagan ceannachd. An deigh a bhais fhuaireadh seann bhocsa ’san tigh ann san robh fichead mile dolair de dh’or agus moran de dh’airgiod a thuilleadh air sin. Bha barrachd sluaigh aig torradh an Urr. Alasdir Mac Fhearchir Di-luain, s’a chaidh na chunnacas aig a leithid ann an Sidni riabh. Lean corr us mile coisiche ’n giulain dh’ionnsidh an ait-adhlacidh, a thuilleadh air aireamh cheudan a bha ann an carbadan. Mheairs na Free Masons air thoiseach agus chum iad seirbhis-adhlacidh aig taobh na h-uaighe mar is abhist daibh. Chaidh coig bailtean beaga faisg air Kutacs ’sna h-Innsibh ar Near a mhilleadh le crith-thalmhinn o chionn ghoirid agus moran a mharbhadh. Cho fad sa fhuair sinn fios bha seachd cuirp fhichead air an toirt as an draoighnich. Dh’eug Mrs. Harrison bean Ceann-suidhe nan Staitean oidhche Dior-daoin am ficheadibh latha dhe’n mhios so. Bha i tinn leis a chaitheamh fad an t-shamhridh agus bha i sior dol uaithe o chionn seachdain no dha. Tha ’n Dotair Domhnullach sa bhaile so a sealltuinn dhuinn tuagh a fhuair e bho sheann Innseanach air an Abhinn Mheadhonich. Tha i air a deanamh air cloich, beagan na’s lugha na tuagh chaol an latha ’n diugh, ’s mu dha phunnd a chudthrom. Tha’m faobhar gu math maol ’s rud-eigin air cumadh crudh eich. Chan eil sul innt’ idir ach bha i air a cur ann an sgoltadh an ceann na ’sa maide an sin air a cheangal gu teannle eill. Bha lag air fhagail ’na da thaobh air son greim math a bhi aige chois oirre. Le gabhail a reir a coltais theireadh neach nach mor feum a dheanadh i a leagail coille. Ach bha na h-Innseanich bho shean, chan e mhain a leagail chraobhan le tuaghain cloiche ach mar an ceudna deanamh bhatichean leotha. Bidh an tuagh so air a turus gu Feill an t Shaoghil an ceann latha mo dha, far am bi i ri faicinn air an ath bhliadhna. Tha ’n Dotair dhe’n bharail gu bheil i ceud gu leth bliadhna dh’ aois, agus theireamid fein gu bheil i h-uile latha dhe sin mur eil an corr. PHOS. Aig Gabarus, an 11mh la de dh’ October, leis an Urr. D. Sutherlan, Ruairidh Domhnullach, Loch Ghabarus, ri Floridh Nic-an-t-Shaoir, Canoe Lake. Aig Loch Ainslie, an 5mh la de September, leis an Urr. Alasdir Grannd, Iain G. Mac Aidh ri Catriona Nic-Aidh. Aig Loch Ainslie, an 18mh la de dh’ October, leis an Urr. Alasdir Grannd. Domhnull D. Mac Aidh ri Seonaid Fhriseal. Bhuinneadh iad le cheile do Cheap Mabou. Aig Baddeck, an 13mh la de dh’ October, leis a Urr. D. Mac Dhughill, Alasdir L. Mac Cuaire, ri Anna Dhomhnullach. Bhuinneadh iad le cheile don Abhiun Mheadhonich. Aig I-Challum-Chille, an 24mh la de dh’ October, leis an Urr. R, Grannd, Dughall Mac Fhionghain. Abhinn a Deas Antigonish, ri Helen Ghordon, a mhuinntir Alba. Aig Antigonish, October 19mh, leis an Urr. I. R. Munro, R. II. Harrington, Port Hawkesbury, ri Catriona Nic-Dhughill, Sidni-a-Tuath. Aig Glace Bay, October an 25mh, leis an Urr. J. A. Forbes, Tormod Moireastan ri Mor Nic Leoid. DH’EUG. Aig Clarke’s Road, an 11mh la de dh’ October, Gilleasbuig Mac Gilleain, Eildeir, ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois. Aig Kincardine, Ontario, an darna la de dh’ October, Nial Mac Gilleain, tri fichead bliadhna dh’ aois. [TD 70] [Vol. 1. No. 23. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An taobh stigh do shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, OCTOBER 29, 1892. Tha sinn gu tric a faighinn cunntas a na Staitean mu’n ghamhlas a tha cuid de shluagh na ducha sin a nochdadh do bhratach Bhreatuinn ge be aite ’m faic iad i. Tha moran dhiu cho beag breithneachidh ’s gu bheil iad a deanamh uaill a bhi tomhas an duinealis, ’s an gradh da’n duthich fhein leis an fhuath a th’aca do dhuchannan eile. Chan fhuiling iad so bratach Bhreatuinn fhaicinn a snamh air fonn nan Staitean idir, ’s na’m biodh an comas areir an durachd cha bhiodh cead aice snamh an aite sam bith. Spion fear dhiu bratach Bhreatunnach a nuas bhar tigh-cheannichean an New York an la roimhe, thilg e sa pholl i, ’s choisich e air falbh cho toilichte na chridhe ’s ged a bhiodh e ’n deigh gniomh mor a dheanamh. Dhiult na h-Oddfellows ann a Chicago gnothuch sam bith ca ghabhail ri fosgladh Feill an t-Shaoghil na’m biodh bratach sam bith ri faicinn ach bratach nan Staitean; ach fhuair iad a mach gu faigheadh Feill an t-Shaoghil air adhart gle mhath as an aonis, agus ged nach saoileadh iad fhein e, thigeadh an duthich uile cheart cho math as an aonis, oir chan eil iad a cuir maise sam bith oirre. Tha iad an duil gu bheil iad a nochdadh morachd agus cumhachd nan Staitean le bhi deanamh di-meas agus taire air bratach duthich eile, ach ’s ann a tha iad a sealltuin do’n t-shaoghal cho beag tuigse sa tha gabhail tamh nan cinn fhein, ’s de ghradh da’n coimhearsnich nan cridheachan. Dh’eug Tomas Baker duin og a mhuinntir Halifax Di-satharine s’a chaidh an deigh a bhi posda tri seachdainean. AN T-URRAMACH ALASDIR MAC FHEARCHAIR. Rugadh an t-Urramach Alasdir Mac Fhearchair aig an Abhain Mheadhonich ’sa bhliadhna 1836. Be athair, an t-Urr. Alasdir Mac Fhearchair, ministeir sgire na h-Aibhne Meadhonich o’n am a chaidh a shuidheachadh an 1828 gu am a bhais (1858). Fhuair esan nu bheil sinn a sgriobhadh fhoghlum ann an colaist na h-Eaglis Shaoir ann a Halifacs. Chaidh a chuir air leth air son searmonachadh an t-shoisgeil le Cleir Mhiramichi an New Brunswick sa bhliadhna 1862. Shaothrich e ann sa Chleir sin corr us bliadhna ’s thanig e dhachidh. Fhuair e an sin gairm gu Leitch’s Creek an Cleir Shidni far an do shaothrich e le mor thoileachadh do’n t-shluagh, agus le soirbheachadh nach bu bheag ann san t-shoisgeul. An am dha bhi ’n Leitch’s Creek bha a toirt pairt de sheirbhis do Ghlace Bay, aite bha gle bheag aig an am sin ach air an robh coltas math fais a thaobh meinein guail a bhi air an ur fhosgladh ann. An deigh dha bhi car treis an Leitch’s Creek chaidh a shuidheachadh an Glace Bay far an robh e gus an d’fhuair e gairm a Sidni, agus far a bheil a chuimhne cubhridh fhathast a measg an t-shluaigh a bha fo theagasg. Bha e air a shuidheachadh ann an Sidni air a cheud latha de September, 1875. Gu am a bhais bha a saoithreachadh an sin le mor thaitneeas do ua h-uile. O chionn beagan bhliadhnichean thug e sgriob do dh’ Alba air son a shlainte. Bha e mealtuinn deagh shlainte fad bliadhna no dha an deigh sin, ach deireadh an t-samhridh s’a chaidh, bha e rithist air a leagail sios le tinneas trom a lean e gu am a bhais. Bha e dol gu math na b’ fhearr o’n tinneas sin o chionn mios no dha, s be duil gach aon gu robh e gu bhi air a chaomhnadh da threud iomadh bliadhna. Ach cha be sin run an Ti a tha riaghladh, ’sa tha riaghladh gach ni gu math. Chriochnich e a thurus air an talamh Di-haoine, a cheud latha ’ar fhichead de dh’ October. Dh’ fhag e banntrach, nighean do’n Dotair Mac Leoid, agus triuir chloinne. ’S gann gu robh riabh ceangal cho mor eadar sluagh us ministeir sa bha eadar comhthional St. Andrew’s us Mr. Mac Fhearchair. Faodidh neach tighinn na dheigh a lionas aite ann an searmonachadh an t shoisgeil, ach cha chreid sinn gu ’n tig neach a ghabhas aite ann an cridheachan an t-shluaigh. Na chaithe-beatha ’s na ghiulain, bha e cho iriosal ’s cho neo-lochdach ’s nach b’urrinn do neach sam bith coirre fhaotinn dha, no eolas a bhi aig air gun ghradh a thoirt da. Tha co-fhairoachdain aginn ris a bhanntiaich ’s ris a chloinn a dh’fhag e ’s tha sinn an dochas gu’m buin am freasdal gu math riu. Aig Bellville. Ontario Di-haoine s’a chaidh, fhuaireadh cnamhan duine da’m b’ ainm Plummer a chaidh air chall o chionn beagan bhliadhnichean ann an torr gainneamhich. Se barail muinntir gu’n deachidha mhurt mu’n ann a dh’iondrainneadh e ’s gun deachidh fhalach an sin. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 71] [Vol. 1. No. 23. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. VI. UITHIST AGUS BARRAIDH Air a’ bhliathna 1851 bha obair dheistinneach air a deanamh an Uithist a chinn Deas agus an Eilean Bharraidh a reir mar tha Mr Alastair MacCoinnich ag innseadh anns an leabhar a chuir e mach an Inbhear-Nis mu thinchioll Di-larachadh na Gaidhealtachd. Bha seirbhisich Choirneil Gordan, an t uachdaran a cheannaich na h-eileanan so, a mealladh an t-sluaigh, le breugaibh, ag radh riu gun robh Sir Iain Mac Neil a’ dol a nunn do Chanada gu bhi rompa an sin, a chum gach goireas a bhiodh feumail daibh ullachadh air an son agus fhaicinn air a bhuileachadh orra. Ach thuig moran de’n t.sluagh an t-innleachd-meallaidh agus dhuilt iad falbh, agus cha rachadh neach dhiubh air bord luinge. An sin thoisich obair an leirsgrios an uair a thainig na longan a staigh do Loch Bhaoghasdail gus an sluaigh a ghiulan gu America. Chaidh gairm a mach an sluagh a chruinneachadh gu Loch Bhaoghasdail far an robh an luingeas air acair, agus chuireadh ordugh a mach gum biodh ubhladh da phunnd Sassannach, no deich dollair, air gach fear nach tionaileadh a dh-ionnsuidh an aite. Nuair a chruinnich an sluagh gu Loch Bhaoghasdail, dh’aithneadh dhaibh dol air bord, agus iadsan a dhiult chaidh an glacadh le maoir agus an cur air bord a dh-aindeoin. Bha fear laidir d’am b’ainm Aonghus Mac Iain a’ cur an aghaidh nam maor le uile neart, agus b’eigin glas-lamh a chur air mum b’urrainn iad a cheannsachadh. Ach thainig sagart Uithist agus le eadraiginn-san thugadh dheth a ghlas-lamh, ach ghiulaineadh a staigh air bord e eadar ceithir maoir a bha m’ a thimchioll. Chaidh nighean og a ghlacadh, ach theich i air feadh na h-oidhche, agus air maduin an ath latha dhuisgeadh an sluagh le sgriachail agus sgread na h-ighinn a chaidh ghlacadh ann an taigh a bha dluth air laimh. Bha a chaileag bhochd an sas eadar dithis mhaor, cosmhuil ri da dheamhan ’ga slaodadh leotha, a falt sios m’ a cluasaibh sgaoilte, agua a h-aodunn air at agus air bochdadh le caoineadh. Bha maor fuinn an uachdaran comhlath ris an dithis eile ag iomain na caileig as an deigh. Theich mar an ciadna dithis chaileag eile le fear d’ am b’ainm Iain Dughallach. Chaidh e fhein a chur air bord luinge ach dh’fhagadh a dhithis nighean as a dheigh air feadh nam beann. Bha te dhiubh 14 bliadhna agus an te eile 12 bliadhna dh’aois. An uair a rainig na creutairean bochd so Quebec cha robh sgillinn ruadh aca bheireadh na b’fhaide iad air an turus, ged a dh’innseadh gun robh an luchd-riaghlaidh dol a chost orra gus an ruig braighe Ontario far an robh iad a’ dol. B’eigin do shluagh caranta caoimhneil ann an Quebec an lamh a shineadh agus beagan airgid a chruinneachadh gus an cuideachadh air an aghaidh gu ceannn an turuis. Bha moran d’e ’n luchd imrich so aig nach robh facal Beurla. Cha tuigeadh iad canain sam bith ach Gailig agus bha e mar sin gle dhuilich dhaibh siubhal air an turus a chionn nach tuireadh iad cainnt na ducha. Agus re a’ gheamhraidh a lean dh’fhuiling iad moran saruchaidh le fuachd agus acras. Chaidh mu thuairim da mhile sluaigh a chur air falbh mar so le Coirneal Gordan, agus nam b’ann san Tuirc no ann an Russia a bhiodh an obair so air a deanamh, bhitheadh air luchd-aitich na criosdachd gairisinn agus uamhas, ach nuair a rinneadh e air Gaidhil bhochda le uachdaran cruaidh-chridheach gun iochda, chan eil guth mu dheibhinn. D. B. B. Thilg e Bhuaithe na Batichean—Iomradh Fior Air Ni Cudthromach. Fad ochd bliadhna bha lot air mo chois a thanig oirre ’n deigh dhomh a bristeadh Chum na dotairean mi san leaba coig miosan a feuchinn ri ’leigheas ach cha d’rinn sin feum sam bith. Dh’fheuch mi gach acorsa cungidh-leighis ach cha b’fheairde mi sin dad. ’An 1883 dh’fhas i cho dona ’s gum b’ fheudar dhomh suidhe air aon chathir ’s mo chas air cathar eile fad cheithir miosan. Cha b’urrinn dhomh mo chas a chuir fodham neo sputadh am fhuil as an lot ’s dh’atadh mo chas suas gu bhi dha urad ’s bu choir dhi bhi. Bha aon lot deug oirre aig an am so agus cha robh ann dhiom ach na cnamhan (chaill mi 70 pound an ceithir miosan. Chomharlich cairdean dhomh dhol d’a Ospidal, ach cha rachinn ann oir bha fios agam gu’n gearradh iad a chas dhiom. Bha an dotair an sin air son a fosgladh gus an cnaimh a ghlanadh ach bha mi ro lag air son sin fhulang. Cha chuala mi mu Burdock Blood Bitters riamh roimhe sin, ach leubh mi mu mhinisteir an t-Urr. Mr. Stout, a bha air a leigheas de dhroch at air a mhuinneal le B. B. B. an deigh do gach leigheas eile fairtleachadh air, agus smaoinich mi gum feuchinn fhein e. Nigh mi mo chas leis na Bitters agus ghabh mi e mar a bha air iarridh. An deigh dhomh aon bhotal ol choisichean air batichean, an deigh tri ol, thilg mi bhuam na batichean ’s chaidh mi mach a spealadh feoir. An deigh sia botail a ghabhail bha mo chas air leigheas suas; bha na cnamhan fuasgailte air tigh’nu aisde, ’s thanig na feithean air ais d’an aitean fein. Tha maoi bliadhna bhuaithe sin ’s cha d’fhosgail i riamh bhuaithe sin, ’s an diugh coisichidh mi coig mile cho luath ri neach sam bith, ’s faodidh mi thaing sin a thoirt do B. B. B. a rinn mo chas a chaomhnadh dhomh, mur d’ rinn mo bheatha. Molidh mi e gu toilichte do neach sam bith a tha fulang. Cuir deuchinn air B. B. B, ’s leighsidh e thu mar e leighis e mise. UILLEAM MACNEE St. Ives P. O., Ont. Tha Mr. F. C. Sanderson, fear-reic chungidh-leighis aig St. Mary’s Ont. a toirt dearbhadh gu bheil na tha Mr. Mac Nee ag radh fior ged is iongatach e agus ag radh gu’n rinneadh leigheasan iongatach eile anns an aite sin le B. B. B, ’s nach eil leithid ann air son droch fhuil, droch stamag, ceangal-cuim, agus gabh seors euslaint a tha buailteach do’n stamaig, do’n ghruan agus do’n fhuil. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachdan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 72] [Vol. 1. No. 23. p. 4] LITIR BHO “CHLEIREACH.” AM BAILE REULTAGACH, AMHINN AN EAR PHICTOU, October an 24mh. 1892. A charaid ionmhuin,— Mais us piseach air MAC-TALLA. Gu ma fada beo e us ceo as a thaigh! Tha sean fhacal ag radh gu’n cuidich am Freasdal iadsan a chuidicheas iad fhein: ach chan eil teagamh nach d’thug MAC TALLA coir misneachd us cuideachadh do dh’iomadh Gaidheal og gu e fein a thogail ’san t shaoghal. Ach tha eagal orm gu bheil moran fhathast ri dheanamh mus bi a h-uile Gaidheal iomlan ’sa Ghalig. Far am bheil an toil bithidh an gniomh, ach chan eil an toil aig moran de na Gaidhil suim a ghabhail dhe’n Ghalig, leis a beachd amideach nach eil e gu buanachd a cumail suas, nach eil i uasal gu leor, ’s gu bheil i gu luath a dol as, ’s nach fhada bhitheas feum idir dhi. Tha e riatanach mar tha cuisean a dol gum bitheadh eolas aginn air Beurla, ach na leigeamid air di-chuimhne gur i Ghalig cainnt nan gaisgeach, cainnt nan treun-fhear, gleusda, gasda, choisinn cliu ’s gach buaidh. Do’n Ghaidheal, le threuntas, le thur nadair, ’s leis gach buaidh tha fuaighte ris, buinidh, aig an am so, roinn mhath de shoirbheachadh na ducha so. Ach gun eolas air a Ghalig, tha’n Gaidheal mar dhuine fo chioram, mar dhuine calma air leth laimh no air leth shuil. Shaol le Cailein a Ghlinne gur e tiodhlacadh an fhir mhosich a bh’ann sa cheud sealladh a fhuair e dhe’n each-iaruinn le shreth charbadan as a dheigh a gabhail seachad gu ruig na “Narrows.” Ach shaoil le daoine bu ghlice na Cailein bochd, fada mu’n d thanig an t-each iaruinn gu robh uair dheireannach na Galig air teachd. Gidheadh tha i fhathast beo, slan, fallain, ged tha i aois mhor. ’S coir dhuinn suil a chumail oirre sa h-iarrtus eiridinn, Chan eil e soirbh Gaidheal a dheanamh dhe’n dubh ghall le boneid bhiorach a chur ma cheann, breacan air a ghualla, feille-bheag suainte mu chruachanan cruaidhe, cnamhach, agus osain mu chalpannan speilgeach: cha deanadh e ach Gaidheal seang. Agus cha mho na sin a ni Gaidheal Sasunnach dheth fein le bhi ’n imis a dhol as na giolan a stir ri theanga chumadh ri facail chaola thioram na Beurla! Air chul, mata leis an aithris bhochd so, ’s le faoinealachd cho leibideach. An aite naire bhi orinn air son canain us chleachdidhean nan Gaidheal, deanamid uaill asda agus gabhamid a h-uile cothron air an cumail suas, ’s air an sineadh sios dhaibh san a thig ’nar deigh. Tha e ro thaitneach ri innse gu bheil uaislean us luchd-foghlum Gaidhealach an latha ’n diugh a gabhail suim dhe’n Ghalig’s a cur rompa nach bi an sliochd air an togail suas gun eolas air a chainnt aghmhoir, bhlasda a chleachd Adhamh us Eubh, Suas mata leis a Ghalig ’s deanamid coir us cliu nan Gaidheal a chumail air chuimhne. Ann am briathran a bhaird,— “Fhad sa bhios grian ann sna speuraibh, No gealach ag eiridh san oidhche, No gaoth a seideadh ’sna h-airdibh, Bi’dh cliu nan Gaidheal air chuimhne.” CLEIREACH. Re nan sia seachdainean a chaidh seachad dh’eug corr us sia mile ann a Hamburg leis a cholera. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatainn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 73] [Vol. 1. No. 24. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 5, 1892. No. 24. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha breitheamh ann sa phriosan an Austria air son a bhean a mhurt. Tha ’n t-Urr. Eoghain Mac Coinnich a leigeil dheth comhthionail Cheap North ’s tha an t-Urr. Callum MacLeoid gu bhi na aite fad a gheamhridh. Bha teine mor ann an Milwaukee deireadh na seachdain s’a chaidh ’s bha moran dhe na taighean a b’fhearr air an losgadh gu lar. Tha e air a mheas gu robh fiach sia muillean air a chall. CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS,—Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh bidh le tri botail de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do neach sam bith a tha fulang leis an euslaint cheudna. Tha ’n t-Onarach Edward Blake an drasd ann sna Staitean a toirt seachad a bharail air a cheist mhoir sin a tha luch-riaghlidh Bhreatuinn a feuchinn ri fhuasgladh,—An toirear Fein Riaghladh do dh’Eirinn? Dh’eug fear Tomas Liston aig Kingston Ontario, air an t-sheachdain s’a chaidh. Bha a bhean tinn aig an am agus nuair a fhuair i fios mu bhas a fir dh’eug ise mar an ceudna. Thachir ni gle choltach ri so aig a Bhras d’Or Bheag an uiridh. Tha droch shide aca ’s an t seann duthich. An Alba thuit bho thri gu sia oirlich shneachda, o chionn ghoirid, ’s air a Ghaidhealtachd tha deigh air na lochan uisge. Tha moran dhe’n bharr gun bhuain fhathast. Tha milleadh mor air a dheanamh an Sasuinn ’s an Eirinn le stoirm ’s le tuiltean. Tha ’n t-Urr. Iain MacLeoid, Sagart Descousse marbh. Bha e air a shuidheachadh an sgire Louisburg ’sa bhliadhna 1886. Bha e ’n deigh sin ann an Thornburn am Pictou. Air an t-shamhradh s’a chaidh, thanig e gu Descousse. Chaidh arach a measg cnoic us glinn bhoidheach Bhroad Cove far a bheil moran de ’chairdean fhathast. Be aon de na sagairt a b’oige bha ’n Ceap Breatunn ’s bha e aig airde ,s na lan neart nuair a thug am bas air falbh e. Bidh ionndrain mhor air ann sna paraisdean ’s ’n do shaothrich e, agus am measg a luchd-eolais uile. Tha iadsan aig am bheil riaghladh Feill an t-Shaoghil gu bhi, an deigh an aonta thoirt do bhi reic deoch laidir air an fheill. Tha e air a radh, mar an ceudna gu bheil an fheill gu bhi fosgailte air an t-shabaid, ged a rinn Seanadh nan Staitean lagh ’g am bacail. Tha e ro choltach gu bheil Feill an t Shaoghil a dol thun an uilc. Phos caraid ann a Chicago a la roimhe, ’s b’ iad aon de na caraidean bu lugha sheas air stol-posidh riabh. Bha esan, Maidsear Samora, a mhuinntir Newfoundland, tri oirlich dheug thar fhichead a dh’airde, ’s leth cheud punnd ’sa ceithir a chudthrom. Bha ise, Carstiona Goughman a mhuinntir Shasuinn, tri troidhean a dh’ airde, ’s tri fichead punnd sa ceithir a chudthrom. EAGAL A BHAIS. Bidh eagal a bhais air neach nuair a theid a ghrad bhualadh le tinneas gu h-aridh le droch fhuachd, no casadich. Ach cha ruig e leas sin a bhi air ma tha e cumail Dr. Wool’s Norway Pine Syrup faisg air laimh air son math a theaghlich. Leighsidh an leigheas ciatach so casadich, cnatan, tuchadh, cuing, agus gach eucail eile tha buailteach do’n amhich ’s do’n sgamhan. DH’FHAG E AN DOTAIR. A Dhaoin-uaisle,—Bha droch stamag a cuir dragh orm fad cheithir bliadhna, agus dh’fhiach mi iomadh leigheas, ach cha d’rinn iad mor fheum dhomh. Leubh mi ann am paipear mu Bhurdoch Blood Bitters, agus dh’fhag mi an dotair ’s thoisich mi air ol B. B. B. ’s fhuair mi nach robh leigheas sam bith elle ri choimeas ris. Leighis tri botail mi gu buileach. Theid agam air an stuth iongatach a mholadh do na h-uile. BERT J. REID, Wingham, Ont. Ann am baile beag da’n ainm Temocine, am Mexico, bha ’n sluagh bochd air an sarachadh cho mor le cis ’s le droch riaghladh ’s gun dh’ eirich iad an ceannairc an aghidh an luchd riaghlidh. Cha robh ann sa bhaile gu leir ach ochd duine deug ’ar fhichead. Chuireadh da cheud deug saighdear d’an bhaile sin gus an sluagh a sgrios, rud a rinn iad. Bha na h-ochd-deug ’ar fhichead air am marbhadh, ach thuit tri cheud ’s tri fihcead us ochd dhe na saighdearan. Choisinn iad a bhuaidh gle dhaor. [TD 74] [Vol. 1. No. 24. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 5, 1892. Tha Teampull mor na Mormonich ri bhi air fhosgladh an Baile ’n Loch Shaillte (Salt Lake City) an April s’a tighinn. Thoisich na Mormonich air togail na h-aitreabh mhoir so o chionn da fhichead bladhna, agus chosg e da mhuillean gu leth dolair. Cuir leth dolar thuginn an drasda ’s gheibh thu MAC TALLA bho’n am a ruigeas an t airgiod sinn gu deireadh na bliadhna s’a tighinn. Bidh ’n sin agad da mhios dhe’n phaipeir a nasgidh. Tha sinn a gealtuim so a mhain dhaibhsan a phaidheas an t-airgiod sios, gun dail iarridh idir. Tha sean fhacal ag radh gur fhearr ian ’sa laimh na dha air iteig, agus tha e fior gu leor. Tha e fior mar an ceudna gur fhearr dolar and drasd na dha an ceann bliadhna, agus se sin a thng oirnn riaghilt ur a dheanamh a thaobh paidhidh a MHAC-TALLA. Mar a chithear an ait eile, gheibhear am paipear so fad bliadhna air son leth-dolar le phaidheadh toiseach na bliadhna. Le phaidheadh an ceann shia miosan bi’dh e tri chairteil dolair, agus mur paidhear e gu ceann na bliadhna bi’dh e dolar slan. Se’n duine glic, mata, a phaidheas an toiseach na bliadhna. ’Si Ruisia aon de na rioghachdan is miosa riaghladh a tha ’n diugh air uachdar an domhain. Tha ’n t-Impire a gabhail air fhein a bhi na athair caomh da iochdrain uile ’s aig a chrunadh tha e gealltuin curam a ghabhail dhiu. Ach chan eil an gealladh sin air a cholionadh, ’s chan eil sluagh fo’n ghrein is truaighe na sluagh Ruisia, gu h-aridh an sluagh bochd. Ma tha neach a deanamh cionta sam bith tha e aon chuid air a chrochadh, air a sguirsadh cha mhor gu bas, no air fhogradh gu Siberia, far am bi aige ri bheatha chaitheamh ag obair ’sna meinein agus as nach bi duil aige ri fuasgladh gus an toir am bas air falbh e. Chan iad na cointaich a mhain a gheibh duais na h eucoireach ann san duthich bhochd so, ach tha na neo-chiontich a fulang maille riu. Tha iomadh sgeul bhronach a tighinn d’ar ’n ionnsidh a Ruisia. Chan e ’n t-Impire leis fhein a tha ri ’choireachadh air son suidheachadh na rioghachd ’s an t-shluaigh, ach iadsan a tha ’nan comharlichean aige, ’s tha iad sia mar is trice ’deanamh a ni a chi iad fhein iomchuidh chum an saoibhreas ’s an inbhe fhein a chuir am meud, gun suim sam bith a bhi aca do chor an t-shluaigh. Tha’n t-aintighearnas fo’m bheil iad a fnlang an deigh gamhlas cho mor altrum am broilleach an t-shluaigh sin an aghidh an t-Sair ’sa chuid uaislein ’s nach leig an t-eagal leis na statichean sin a dhol a mach air dorus gun gheard dubailt bhi ’g an dion. Tha mar sin eagal am bheatha aig an t-shluagh roimh ’n t-Shar, s tha eagal a bheatha aig an t-Shar roimh ’n t-shluagh. Bi’dh sinne ’s an duthich so gu tric a gearain air droch riaghladh, ’s bidh aa h aobhir aginn air uairean, ach tha sinn da rireadh sona ’n coimeas ri sluagh Ruisia. OIDHCHE SHAMHNA.—Be oidhche Di-luain sa’a chaidh Oidhche Shamhna ’s bha na gillean ’s gach aite air an cois gu anmoch a cluich nan cleasan is abhist daibh a bhi cluich air an oidhche chridheil sin. Cha tig oidhche shamhna ach uair ’sa bhliadhna, ’s chan urrinn sinn coire sam bith a chuir orra ged a bhiodh iad a deanamh beagan sporsa dhaibh fein, ma dh’fhanas iad gun cron a dheanamh air cuid muinntir eile. Ged nach biodh gach geata na aite fhein sa mhaduinn, ’s ged a bhiodh corra rud gun mhaighstir cha dean math dhuinn a bhi gruamach, ach ’s coir dhuinn cuir suas leis mar ni nach gabh seachnadh. ’Se Dior-dain s’a tighinn an latha tha air a chuir air leth le luchd riaghlidh na h-Ard-Fhlaitheachd so air son Latha Taingealachd. PHOS. Aig an Amhinn Mheadhonich, an 27mh la de dh’ October, leis an Urr Alasdir MacRath, Aonghas Domhnullach, Beinn nan Gearrloch, ri Isabel Nic-a-Phearsain, ’s an aite cheudna. Aig Baddeck, Oct. 5mh. leis an Urr Mr. Grannd, Iain C. McNeill, Grand Narrows, ri Catriona Nic Neill, Baddeck. Aig Mira, Sept. 27mh, leis an Urr, Uilleam Calder, Uilleam Mac Aonghais ri Mairi Anna Dhomhnullach. Leis an Urr Uilleam Calder, Oct. 4mh, Alasdir Mac-an-t-Shaoir, Canoe Lake, ri Mor Anna Munro ’san aite cheudna. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 75] [Vol. 1. No. 24. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. VII. UIBHIST A CHINN TUATH. Air a’ bhliadhna 1849 dh’fhuadaich Morair Chlainn Domhnuill 600 no 700 pearsa a Sollas, ’aite ann an Uibhist mu thuath. Dh’asluich an sluagh air son beagan dalach gus am faigheadh iad an crodh ’s an spreidh ’s nithean eile a chreic gun chall a bhi aca, nuair a thigeadh feilltean an t-samhraidh mun cuairt. Ach cha d’ fhuair iad eisdeachd no freagairt d’ an iarrtas. Chaidh an cur a mach as na taighibh, na dorsan a ghlasadh, agus gach ni a bha aca a sharadh, eadar chrodh us arbharr agus moine; agus thilgeadh an cuid airneis a mach air an dorus air lom a’ bhlair a muigh. Bha duine araid an sin a bha ’na fhigheadair, aig an robh bean agus naoinear chlainne. Thilgeadh a mach airneis an duine so, agus chaidh an eididh a ghearradh as a’ bheairt; agus ruith a’ bhean a chum an doruis leis an naoidhean aice na h-ultaich ag eigheach a mach cho ard s a b’ urrainn di. “Tha mo chlann air a bhi air am murtadh.” An deigh sin leag na maoir an taigh gu lar. Ann an taighibh eile b’eigin do na maoir na mnathan a ghlacadh agus an cur a mach le neart nan lamh air an dorus. Thilg aon bhoirionnach i fhein air an lar, chaidh i ’na paiseanadh, agus thoisich i air sgiamhail, agus sgriachail, agus tathunnaich mar chu, re dheich mionaidean. Thainig boirionnach eile agus ghuidh i air an t-Siorram gum fagadh e am mullach air an taigh, no air a chuid sin deth a bha ascionn an aite anns an robh a’ bheairt, gus an cuireadh i crioch air an eididh a bha i a’ figheadh aig an am sin. Thainig boirionnach eile agus thug i ionnsnidh air fear de na maoir a bhualadh le maide, ach cha d’ amais i air; an sin leum i air agus spion i an ad dha mullach a chinn. Bha i cho buaireasach laidir s gum b’ann air eiginn a thug da mhaor a mach eatorra i air an dorus. Bha obair an uamhais a’ fas cho graineil ’s gum b’eigin do’n Fhactor aig a’ Mhorair Shleiteach lasachadh agus aontachadh ris an t sluagh fhagail nan taighibh gu deireadh an earraich nan gealladh iad falbh an sin le ’n toil fhein. Ghabh cuid ris an tairgse so agus dhiult a’ mhor chuid i. Gidheadh chaidh an spreidh a sharadh ’s a ghlacadh air son ainfhiach a’ mhail. Tha Morair chlainn Domhnuill a nis ann am fiachaibh mor, cho fada ri da chiad mile punnd Sassonnach (£200,000 sterling.) Uime sin chuireadh an oighreachd fo chileadairibh le luchd an ainfhiaich, oir chan urrainn iad an oighreachd a reic, ach rinn iad greim air a’ mhal—agus air tighinn a stigh na h-oighreachd, a’ fagail cuibhrinn araid aig a’ Mhorair gus a bheathachadh, air gach bliadhna. Tha na cileadairean so coma ciod a dh’eireas do’n t-sluagh ma gheibh iad am mal a chruinneachadh air son paighidh nam fiachan. Ann am mios September, 1853, thainig maor fuinn a’ Mhorair agus thug e bairlinn do na croitearaibh air son falhh as an fhearann, aig aite ris an abrar Borraraig agus Suisinnis. Bha mu thimchioll da theaghlach dhiag thar fhichead anns an aite sin. Bha na firionnaich air falbh bho ’n taigh ’gan cosnadh air son airgid a phaigheadh am mal. Cha robh aig an taigh ach na mnathan agus a’ chlann bheag. Ach a dh’aindeoin gaoir nam ban agus caoineadh na clainne bige, thoisich an obair an-trocaireach; thilgeadh an airneis a mach air an dorus, agus ruisgeadh mullach nan taighean. Bha an t-seann mhuinntir air an cur a mach a dh’ aindeoin, agus bha na mnathan s a’ chlann ag eigheach, a’ spionadh am fuilt leis an iomaguin, agus a’ reubadh na h-iarmailte le ’n sgreadail agus le ’n ranaich. Cha robh trocair air a nochdadh do dh-aois no dh-oige, do fhirionn no bhoirionn; ach bha iad uile air an tilgeadh a mach agus air am fagail gu basachadh air na cnoic loma. Gidheadh bha am Factor a’ gabhail leithsgeil na h-oibre oillteil so, agus ag radh gur h-ann bho “chaoimhneas, bho dheagh run, agus bho dhiadhaidheachd” a rinneadh i, “a chionn gun robh an sluagh tuilleadh us fada bho ’n Eaglais.” Nach iongantach nach deachaidh am Factor so a bhualadh le peileir-tairneanaich bho na neoil? D. B. B. NAIDHEACHDAN A ST. ANN’S. A MHIC-TALLA mo chridhe, Is fada ’n uine on chuala tu bhuam roimhe, ach mar a bha fear eile ’g radh nuair a bha e sgriobhadh dh’ionnsaidh a leannain, “cha be nach robh mo run gu tric air m’ aire ach nach robh dad agam ri radh riut.” Coma co dhiu tha mi cuir g’ad ionnsidh dolar air son dithis ghabhaltichean ura, agus tha mi ’n duil gu’n gabh sin fhein mo leisgeul ann sa chuis; oir ’se ’n t-airgiod an diugh an aon ni is fhearr a th’ann air son leisgeul duine ghabhail ’an cuis sam bith. Tha na tuathanich ann san aite so an deigh gach seorsa barra chuir a steach gu sabhailt. Tha gach por am blidhna na’s aotroma na bha e ’n uiridh, ach am bunata leis fhein. Tha ’m bunata anabarrach math aig na h-uile. Cha deachidh dad de dh’iasg a ghlacadh ann san aite so am bliadhna. Ach faodidh feoil gu leor a bhi aig daoine, oir chan eil pris air beathichean, ’s tha biadh spreidh ro ghann air feadh na ducha. Tha mi an dochas, a MHIC-TALLA, gu’m bi do chairdean a dol a meud air toiseach a gheamhridh. Nach eil e moran na’s fhearr do dhaoine bhi leubhadh phaipearan naidheachd ann san oidhche fhada gheamhridh, agus a bhi foghlam mu chuisean na ducha na bhi cosg an uine ’bruidhinn mu bhrolumas gum seadh a dh’fhaodas a bhi dol air adhart ’na measg fhein. Buaidh us piseach mata gum biodh leat a MHIC-TALLA air a gheamhradh so. Sin agad durachd gach Gaidheal ceart. DONNA DILEAS. St. Ann’s, October 17mh, 1892. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr. [TD 76] [Vol. 1. No. 24. p. 4] AN GLEANN ’S AN ROBH MI OG. LE NIALL MACLEOID. ’N uair ’philleas ruinn an samhradh, Bidh gach doire ’s crann fodh chroic; Na h-eoin air bharr nam meanglan ’Deanamh caithreim bhinn le ’n ceol; A’ chlann bheag a ruith le fonn Mu gach tom a’ buain nan ros— Be’ e mo mhiann a bhi ’s an am sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann ’s an robh mi og, Anns a’ ghleann ’s an robh mi og, B’ e mo mhiann a bhi ’s an am sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. ’S a’ mhaduinn ’n am dhuinn dusgadh, Bhiodh an driuchd air bharr an fheoir; A’ chuthag ’us gug-gug aic’ Ann an doire dluth nan cno; Na laoigh og a’ leum le sunnt, ’S ag cur smuid air feadh nan lon; Ach cha ’n fhaicear sin ’s an am so Anns ’a ghlean ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann, &c. ’N am an cruinneachaidh do ’n bhuailidh B’ e mo luaidh a bhi ’n an coir; Bhiodh a duanag aig gach guanaig, Agus cuach aice ’n a dorn; Bhiodh mactalla ’freagairt shuas— E ri aithris fuaim a beoil— Ach cha chluinnear sin ’s an am so Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann, &c. Ann an dubhlachd gharbh a’ gheamhraidh Cha b’ e am bu ghainn’ ar spors; Greis air sugradh, greis air dannsa, Greis air cainntireach ’us ceol; Bhiodh gach seanair aosmhor, liath, ’G innse sgialachdan gun gho Air gach gaisgeach fearail, greannmhor Bha ’s a’ ghleann ’n uair ’bha iad og. Anns a’ ghleann, &c. Bha de sholas dheth gach seors’ ann ’Chumadh oigridh ann am fonn; Cha robh uisge, muir, no mointeach Air an comhdach bho ar bonn; Ach an diugh tha maor ’us lann Air gach alltan agus ob; Cha’ n ’eil saorsa sruth nam beanntan Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann, &c. Tha na fardaichean ’n am fasaich, Far an d’ araicheadh na seoid, Far ’m bu chridheil fuaim an gaire, Far ’m bu chairdeil iad mu ’n bhord, Far am faigheadh coigreach baigh, Agus anrach bochd a lon; Ach cha ’n fhaigh iad ’sin ’s an am so Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann, &c. Chaochail maduinn ait ar n-oige Mar an ceo air bharr nam beann; Tha ar cairdean ’s ar luchd-eolais Air am fogradh ’bhos ’us thall; Tha cuid eile dhiubh nach gluais, Tha ’n an cadal buan fodh ’n fhod, ’Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd Anns a’ ghleann ’s an robh iad og. Anns a’ ghleann, &c. Mo shoiridh leis gach cuairtaig, Leis gach bruachaig agus cos Mu ’n tric an robh mi ’cluaineis ’N am ’bhi ’buachailleachd nam bo— ’N uair a thig mo reis gu ’ceann, Agus feasgar fann mo lo, B’ e mo mhiann a bhi ’s an am sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann, &c. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uile Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 77] [Vol. 1. No. 25. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 12, 1892. No. 25. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNAICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Bha muinntir Pennsylvania air an t-sheachdain ’sa chaidh a paigheadh dolar am barailte air son uisge. Tha’n “Grippe” air toiseachadh am baile New York a rithist, ’s tha iad ag radh gu bheil i na’s [?] na bha i riabh roimhe. Chaidh duin og, Alasdir MacFhionghain, mac do Thearlach mac Fhionghain, ’an Sidni, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Boston air an t-sheachdain s’s chaidh. Tha deich eich eireachdail a tighinn gu Feill an t-Shaoghil a Oldenburg, baile ’sa Ghearmailt, ’s tha Riaghladh na ducha sin a toirt coig mile fichead marg air son an cosdas a phaigheadh. Re an t-shamhridh ’s an fhoghir s’a dh’fhalbh, chaidh corr us leth muilean tunna de ghual Cheap Breatuinn a chuir gu Montreal. Tha so leth-cheud mile tunna na’s fhearr na bhliadhna ’n uiridh. CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS,—Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh bidh le tri botail de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do neach sam bith a tha fulang leis an euslaint cheudna. Bha Dior-daoin s’a chaidh air a chumail na Latha Taing ealachd air feadh Ard-Fhlaitheachd Chanada air fad. Bha seirbhis ann an aireamh mhor dhe na h-eaglisean, ’s bha na taighean-gnothuich air an dunadh. Tha e air a radh gu’n d’fhag Morair Tennyson saoibhreas mor na dheigh. Tha fhios gu robh moran airgid a tigh’nn a steach dha, ’s tha iad-san a bha eolach air ag innse nach robh sgillinn dheth a fagail a lamhan gun fhios car son. Dh’eug Uilleam Mac Illinnean an dannsair ’sam piobaire ainmeil ann a Montreal air an 30mh la de dh’October. Rugadh e ann an Siorrachd-Rois ’s bha e coig bliadhna deug thar fhichead a dh’aois ’nuair a dh’eug e. Bha e air cuairt an Canada uair no dha, ’s bha e treis a cumail sgoil phiobaireachd an Ontario. Dh’fhag e bean us teaghlach na dheigh, maille ri mhathair aig nach robh neach gu cumail suas ’na seann aois ach e fhein. Phos ministeir ann a Sasuinn bean strothail, an duil gu’m b’urrinn dha a toirt gu beatha cheart a chaitheamh. Areiricoltais cha deachidh leis ro mhath, oir tha e ’n drasd an deigh litir-dhealich a thoirt dhi. Tha [?] gu bheil Ioseph A. Mac Gillios, fear-lagha tapidh ’sa bhaile so aig am bheil aite suidhe am Parlamaid Ottawa, gu bhi air a dhianamh na bhreitheamh. Tha sinn cinnteach gun dianadh e breitheam gle chothramach. Thuit ceithir oirlich dheug do shneachda ag River du Loup Di-luain s’a chaidh, ’s b’fheudar an crann a chuir air thoiseach air an each-iaruinn, a bhristeadh an rathaid dha. Cha do chuireadh feum air a chrann cho trath so ’sa gheamhradh riabh roimhe. Tha muinntir Tuscon, an Arizonia, an duil gu bheil, no gu robh, ioghnadh mor aca ann an duine da’m b’ainm Diego Hermines, a bha ceud bliadhna dh’aois, ’sa dh’eug an la roimhe. Shaolamid fhein gum bu mho an t-ioghnadh duine bhiodh cho sean sin ’sa dh’fhanadh beo beagan na b’fhaide. Chail Callum Mac Amhlaidh, ceanniche ’n Cow Bay, triuir de chloinn leis an amhich-ghoirt. Air a 15mh la de dh’ Oct. dh’eug Mairi, da bhliadhna dh’aois. Air an ath latha chaill e nighean eile, ceithir bliadhna dh aois, agus air an [?] mhios thugadh bhuaithe ’mhac Robert a bha naoi bliadhna dh’ aois. Tha duine comhnuidh aig Lost Creek, ’s na Staitean, da’n ainm Iain Milton Kingsley. Tha e tri fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’aois ’s bha e posda sia uairean. Bha tri fichead us aon de chloinn aige, ’s tha iad uile beo ach deichnear. Chan eil an t-aon is oige dhiu sin ach mu fhichead latha ’dh’aois. O chionn fichead bliadhna chuireadh ceithir maighich air tir an Astralia, ’s tha iad an diugh cho lionmhoir ’s gu bheil iad an imis an duthich a chuir fopa fhein ’sa chreachadh. Chan eil aireamh orra idir ’s cha mhor gu’n gabh iad marbhadh. Tha luch riaghlidh New South Wales a tairgse coig mile fichead punnd Sasunnach (£25.000) air son innleachd sam bith a chuireas as daibh gu buileach. [TD 78] [Vol. 1. No. 25. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 12, 1892. Tha “bill” air beulaobh parlamaid na Gearmailt ’s ma nithear achd dheth, bidh, an ceann cheithir bliadhna, suas ri ceithir muilean gu leth saighdear ionnsichte ’san duthich sin fo lan armachd. Tha a Ghearmailte a dianamh a h-uile dhichioll air faighinn air thoiseach air a Fhraing ann an aamachd, ’s tha e ro choltach gu faigh i sin air an turus so neo cha ghabh e dianamh idir. Di-mairt s’a chaidh, thagh na Staitean Ceann-suidhe. Thuit an crann air Grover Cleveland ’sa nis an darra uair tha riaghladh na ducha gu bhi aige na lamhan fhein. Chan eil teagamh sam bith nach e an aon duine b’fhearr a ghabhadh faotinn aig an am so air son na dreuchd. Bha e riaghladh fad cheithir bliadhna roimhe, ’s [?] cho buidheach dheth ’sa bha iad de ghin a bh’ as an cionn riabh. Tha Breatuinn a cur pios uspios eile ri ’fearann ’s gach cearna dhe’n t-shaoghal. ’S gann gu bheil mios dhe’n bhliadhna dol seachad gun i ’chrochadh a bratach dhearg ascionn ait-eigin ’s nach robh i snamh riabh roimhe. ’N diugh tha i gabhail dhi fhein eilean beag iomallach ’sa Chuan Chiuin (Pacific), maireach tha i toirt leatha mir de dh’Africa. Chan eil fhios caite ’m bheil duil aice stad: ma dh’fhaoidte nach stad gus am bi a chuid mhor dhe’n domhain air ainmeachadh oirre. ’Se ’n sgeul mu dheireadh a fhuair sinn g’a taobh gu bheil i an deigh Eileanan Ghilbert ’sa Chuan Chiuin a chuir comhlath ri cach. Tha coinneamh ann a Halifax air an t-sheachdain so aig teachdairean bho luchd riaghlidh Newfoundland us Chanada, a feuchinn ri tighinn gu cordadh a thaobh malairt us iasgich ’s ma dh’fhaoidte gu’m bi beagan fhacail aca mu dheibhinn an da dhuthich aonadh ri cheile. Re ’n da bhliadhna chaidh seachad cha robh iad ro chairdeil ri cheile idir, ach tha iad a nise na’s coltiche ri muinntir a bhiodh fo’n aon bhratich. ’Se ar dochas nach fhada gus am bi iad fo’n aon pharlamaid mar an ceudna. Di-mairt air an t-sheachdain sa chaidh, dh’fhalbh triuir dhaoine, Bruce, Bail, agus Miller, a Campbellton, N. B., ann am [?] a shealg ghiadh. Bha iad an duil tilleadh Di-haoine, ach cha d’thanig iad idir. Ghabh an cairdean an t-eagal ’s chaidh sgioba mach feuch am faigheadh iad sgeul orra. Fhuair iad am bata ’san d’fhalbh iad, ’sa bheul fodha, ’s chan eil teagamh nach eil iad uile air am bathadh. Cha d’fhuaireadh an cuirp fhathast. Dh’fhag Bruce bantrach us dithis chloinne; cha robh na daoine eile posda idir. Tha G. W. Mitchell, ceanniche mhuinntir Arichat, a feuchinn ri iasg beo a chuir a null gu Breatuinn. Tha baraile de dh’easgannan air an turus thairis air a chuan air an t-sheachdain so. Tha iad air an cumail ann an sal ’s ma ruigeas iad thall beo rud is cinnteach gu’n ruig, tha duil aig Mr. Mitchell gu’m bi’ fhortan deanta. Chan eil teagamh nach eil margadh math air iasg ur am Breatuinn, ’s tha pailteas eisg ri sheachnadh ann sna duchannan so. DH’FHAG E AN DOTAIR. A Dhaoin-uaisle,—Bha droch stamag a cuir dragh orm fad cheithir bliadhna, agus dh’fhiach mi iomadh leigheas, ach cha d’rinn iad mor fheum dhomh. Leubh mi ann am paipear mu Bhurdoch Blood Bitters, agus dh’fhag mi an dotair ’s thoisich mi air ol B. B. B. ’s fhuair mi nach robh leigheas sam bith elle ri choimeas ris. Leighis tri botail mi gu buileach. Theid agam air an stuth iongatach a mholadh do na h-uile. BERT J. REID, Wingham, Ont. Tha naidheachd a tighinn thuginn an drasd gu bheil Ban-phrionnsa Mairi, nighean do Dhiuc Dhun-Eidinn ’s ogha do’n Bhan-righ, gu bhi, ’n uine ghoirid, posda ri Ferdinand, Crun-Phrinnsa Roumania. Chan eil a Bhan-phriunnsa ach seachd bliadhna deug a dh’aois. Tha Ferdinand sia bliadhna fichead, ’s tha e na oifigeach an arm na Gearmailt. Tha aon siorrachd an Ontario, Siorrachd Phriunns Edward, anns am bheil 72,000 barailte de dh’ubhlan ri reic. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghailtichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. [TD 79] [Vol. 1. No. 25. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. VIII. CINN-TAILE. Aig toiseach a’ Chiadblain so, chuireadh air falbh moran sluaigh a Cinn-taile le Mac Choinnich, Iarla Shith-phuirt, air comhairle a’ Ghille aige, Dunchadh Mor MacRae, am Factor ann an Ceann-Taile. Bha e fhein agus athair nan tuthanaich chaorach ann an Ceann-Taile, agus ghlac iad greim air an fhearann a thug iad bho’n t-seann tuath, agus chuir iad sin ris a’ ghabhail chaorach a bha cheana tuilleadh as farsuinn. Chaidh an sluagh air falbh gu Canada far an do shuidhich moran diubh ann an Gleann-Garaidh, Ontario; agus tha cuid diubh gu math air an doigh: tha fearann us maoin us spreidh aca; agus cuid duibh ’nam buill ann am Parliamaid Ottawa air son na Siorramachd far am bheil an tuineachas. Ach mo thruaighe Dunchadh Mor sanntach! a thug fainear an cur air falbh acras am fuadach a Cinn-Taile; thainig e gu bochduinn, agus fhuair e’m bas gun sgillinn dhe’n t-saoghal aige; agus b’ eigin do Mhac-Choinnich Shiphuirt, seann oighreachd Chinn-Taile, agus Loch-aillse a chreic, an ceann beagan uine. B’iad na h-aitean as an do chuireadh air falbh an sluagh Gleann-Ealchaig agus an Leitir-fhearna. Chuireadh air falbh leth cheud teaghlach mar chomh lath as an Leitir-fhearna. Thug iad ionnsuidh mar an ciadna air an tuath fhogradh as a’ Choigich, ach chruinnich an sluagh eadar fhirionaich us bhoirionnaich: rinn iad da bhuidhinn, aon bhuidheann de na boirionnaich, agus buidheann eile de no firionnaich. Sheas na firionnaich ag amharc nach faigheadh na boirionnaich tair, agus cha do ghluais iad fhein lamh no cas: ach leum na boirionnaich air na maoir siorraimh, rug iad air na paipearan-summanaidh rinn iad dun diubh agus chuir iad ’nan teine iad; thilg iad bataichean nam maor anns a’ mhuir, agus rug iad air maoir thug iad na bataichean dreuchda bho fhichead constapull, agus bho na maoir fhein, agus rinn iad am bogadh, agus an tumadh ann an lochan-uisge a bha dluth air laimh. Cha do chuir na firionnaich corrag air na maoir, ach bha iad nan seasamh ag amharc air eagal gum faigheadh na mnathan droch caramh. Ach bhuadhaich na mnathan anns a’ bhaiteal, choisinn iad air na maoir, a ghabh an ruaig, agus a thill dhachaidh gun aon sumanadh a luibhairt do fhear sam bith de na croiteiribh. B’e ceann thall na cluiche gun de’fhagadh an sluagh anns a’ Choigich far an robh iad fhein s an sinnsir rompa, agus air an latha ’n diugh tha iad cho math air an doigh ri croiteiribh sam bith air Gaidhealtach Alba. Chuireadh air falbh a Srath-Chonnain mu thimchioll ceithir no coig ciad teaghlach. Ach fhuair cuid diubh fasgadh ann an Eilean Dubh na Toiseachd, cuid air an Droighnich, cuid aig a’ Mhaoil Bhuidhe, cuid eile aig Cuil-Challaidh; cuid ann an Aird Mhic Shimidh, agus cuid ann an Cromba. Ach mo thruaighe! an deigh dhaibh talamh fiadhaich fraoch us mointeach a thabhairt a staigh gu bhi ’na fhearann treabhaidh, far an d’fhuair iad fasgadh, chaidh am fogradh a sin a rithistich leis an uachdaran, agus thugadh bhuatha am fearann a reitich iad, gun eiric gun chomh-leasachadh a phaigheadh dhaibh air son an saoithreach. Thug an t-uachdaran am fearann so air mal mor do na tuathanaich bheartach a shealbhaich saothair nan daoine bochda a nasgaidh. Cuine a sguireas obair an fhoirneirt agus na foir-eiginn? Cia fhad a bhithear a bleith aodunnan nam bochd? D. B. B. ORAN. Do fheadhinn a chaidh gu banais Fhrangach gun chuireadh. AIR FONN: Bithibh aotrom ’s togibh fonn Cridheil, sunndach gun bhi trom, ’G ol deoch slainte na bheil thall Ann an tir nam beann ’s nan gleannibh. Dh’fhalbh sibh le maomadh mor ’Choimhead Mhaois, an duine coir, ’N duil ri ol us danns’ us ceol, Ged is mor a chaidh ur mealladh. Gu robh sgiobair ann air thus, ’Sa chuid ghillean air a chul, Agus bha iad uile ’n duil Gu’m biodh sugradh aca dh’aindeoin. Mu na dhorch an oidhche raoir, Ranig sibhse taigh na time, Dh’eirich Maois a suas na leum, ’S leig e raoic as a bha cronail. “Chan eil annda ach a ghraisg; Mach do’n t-Shitinn iad gun dail; Gur e rinn iad gnothuch nar, Agus pairt dhiu air an dalladh!” ’S tamaillteach mar thachair ann, ’Nuair nach d’fhuair sibh ruidhle dhanns’ Cha robh caileag ann, na taing, Rachadh ann leibh; ’s math an airidh, Gu robh maidean ’s casan thuadh Ann san am a cnapadh chnuachd; Bha na Frangich air an ruaig, ’San “Cosuagh” a teicheadh dhachidh. Bheirinn facail beag na thrath Dhaibh mu’n croichnich mi an dan, Cuimhnichibh, gun chuireadh blath Nach eil sgath dhuibh dhol gu banais. R. EAGAL A BHAIS. Bidh eagal a bhais air neach nuair a theid a ghrad bhualadh le tinneas gu h-aridh le droch fhuachd, no casadich. Ach cha ruig e leas sin a bhi air ma tha e cumail Dr. Wood’s Norway Pine Syrup faisg air laimh air son math a theaghlich. Leighsidh an leigheas ciatach so casadich, cnatan, tuchadh, cuing, agus gach eucail eile tha buailteach do’n amhich ’s do’n sgamhan. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac’ agus Sigars. SIDNI, C. B. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR! [TD 80] [Vol. 1. No. 25. p. 4] ROB MUILLEAR ’S NA MAIRBH. Bha ann an Ceanntaile Mhic-Aoidh fear, Rob Muillear, duine air leth eamh, fiadhuich, bruideil, a bhiodh a spuilleadh nan uaighean. Bha aige riapull tighe, bothan iosal, dubh, fada, slaodach, cuagach, lan de chuiltean ’us aitean dorch’ nach fhac suil no solus riamh, ach suil Rob fhein. Bhiodh e tapruich ’s na cuiltean sin fad an deigh do dhaoin’ eile dol gu fois. Chuir duin’ uasal araidh clach ro-ghrinn na seasamh aig uaigh caraide: ach cha b’ fad gus an deach a toirt air falbh ’s thuit amhras air Rob. Bha iomairt eagallach ’s an aite mun ghnothach, gus an d’thainig Tearlach Sgoilear gus teasruiginn. So an doigh a ghabh e:—Thagh e’n dusan bu tapuidh de na sgoilearan; fhuair e seiche thioram laoigh; ’s mu mheadhan oiche dh’ fhalbh iad ’s laidh iad ann am preas coille far am faiceadh iad ’nuair a rachadh Rob a laidhe. Leig iad leis ’na leabaidh, gus an robh e blath. Chaidh na sgoilearan air mullach an tighe ’s thoisich iad air smagai gu fathramach os ceann na leabadh. Chaidh Tearlach gu uinneag a bh’ air braigh a bhalla; rinn e dudach de’n t-seiche; chuir e’n ceann aice stigh air an uinneig ma choinnimh far an robh Rob ’na laidhel, chuir e’n ceanna caol ra bhial ’s ghaodh e gu garbh’ muladach—“A Rob, ’m beil thu ’d dhuisg?” Rob—Samhach. Tear—A Rob, ’m beil thu ’d dhuisg?” Rob—Haogh! Co tha sin? Tear—Tha sinne. Thainig sinn air toir na claiche ’thug thu uainn! Bean Rob—(Rithe fein) Och, Och! Cha ’do sguir thu gus an ’d thug thu na mairbh a’ d’ dheigh. Dh’ eirich Rob, ’s dh’ fhalbh e le dara leth na claiche (Bha i na piosan aige) air a mhuin, ’s chuir e anns a’ chladh i. Phill e dhachaidh ’s chaidh e laidhe. Cha robh e fad ’sa leabdaidh ’nuair a thainig Tearlach ’s na sgoilearan air an ais. Tear—A Rob, bheil thu a’ d’ dhuisg? Rob—Tha! De tha sibh ag iarruidh? Tear—Tha sinn ag iaraidh leth eile an claiche! Rob—Droch chlachan oirbh! Bean Rob—Ochan! Ochan! Rinn thu turn mu’n do sguir thu! D’erich Rob an dara uair; ’s dh’fhag e leth eile na claiche ’s a chladh ’s chaidh ’e dhachaidh a laidhe. Ach cha b’ fhada gus an ’d thainig Tearlach ’s na sgoilearan a rithist air an doigh cheudna. Tear—A Rob, bheil thu’d dhuisg? Rob—Tha! Tear—Thainig sinn ’dh-iarruidh nan clachan mine. Rob—Droch chlachan mine oirbh! B’ fheudar dha Rob eiridh an treas uair ’s a’ smuirich mhine e shnaigh e de’n chlaich a thional le sguaib. Chuir e ann an casaidh (bag) iad; dh’ fhalbh e do’n chladh leo, chuir e, gu bochd, soradach iad aig bonn nam piosan eile; dh’ fhalbh e dhachaigh ’s chaidh e d’a leabuidh; ’s leig e dheth a bhi creach uaighean. Bha Rob ’sa bhean an duil, gu la ’m bais, gur h-e spioradan nam marbh a thainig a chuir dragh air.—Pictou News, 1886. THA LIGHICH AINMEIL ’AM BERLIN AG RADH: “Cha dearg cholera air stamag fhallain.” Bidh stamag fhallain agadsa ma ghabhas tu K D C Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. Co., (Ltd.) GLASCHO NUADH, N. S., CANADA. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh, Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, ’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so s gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. MacFhionghain, SIDNI TUATH, C. B. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [Nos. 26 agus 27 a dhìth] [TD 81] [Vol. 1. No. 28. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESCEMBER 3, 1892. No. 28. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha e air a radh gu bheil Ruisia gu bhi cheart cho bochd air a gheamhradh so ’sa bha i ’n uiridh. Tha ’m barr air a mhilleadh le leumadairean feoir, le locust, ’s le clach-mheallain. Chuir an cholera as do sheachd ceud, tri fichead ’sa naoi ann a Ruisia air an t-sheachdain s’a chaidh. Bhualadh aon duine deug leis a ghalair sin ann a St. Petersburg ’an aon latha, ’s bhasich triuir. Tha Sir Iain Abbott an deigh leigeil dheth a bhi na Phriomh-Mhinisteir, oir cha robh e faighinn a shlainte. Tha Sir Iain Thompson air a ghairm leis an Ard-Riaghladair gu bhi gabhail curam an riaghlidh air fhein, rud is cinnteach a ni e. GUIREANAN AIR AN LEIGHEAS—A Chairdean,—An 1880 bha mo chraicionn air a lionadh le guireanan, gus ma dheireadh dh’fheuch mi Burdock Blood Bitters; an deigh dhomh tri botill gu leth ol bha mi air mo leigheas gu h-iomlan s chan urrinn mi moladh gu leor a dhianamh air. MRS. SEUMAS DESMOND, Halifax, N. S. ’S iongatach an cuspair Jack the Ripper. Chan eil aite ’s nach bi e, ’s cha bhi e fada ’n aite sam bith gun e fein a chuir an ceill. Bha muinntir Australia an duil gu ’n do chroch iad e toiseach an t-shamhridh, ach tha e ro choltach gu’n do chuir iad as do’n duine chearr. Bha murt oilteil air a dhianamh o chionn ghoirid, ’s mar is abhist tha fairtleachadh air an luchd-ceartis greim a dhianamh air a mhurtair no lorg a chumail air idir. Tha naidheachd iongatach a tighinn a Hamburg. Latha no dha mu’n do thoisich an cholera ’sa bhaile sin dh’fhag na h-eoin e mar gu’m biodh fhios aca gu robh a phlaigh a tighinn Thug so gu cuimhne gu ’n do thachir an ni ceudna sa Fhraing sa bliadhna 1884. Nuair a bha n cholera ann a Marseilles ’san Toulon thog na h-eoin rithe, ’s ghabh iad comhnidh ann an baile eile air nach d’ranig i idir. Toiseach an t-shamhridh ’sa bhliadhna 1872, dh’fhag gach glais-eun us eile baile Presemsyl an Austria da latha mu’n danig an cholera, ’s cha do thill iad gu deireadh Nobhember, nuair a bha phlaigh air a dhol bas. Tha da fhichead mile de chloinn bhig ann a Lunninn a dol do’n sgoil a h-uile madinn gun ghreim bidh itheadh. Tha Sir Tearlach Tupper an drasd air a thurus gu Canada an deigh cordadh a dheanamh as leth Chanada ris an Fhraing a thaobh malairt. AIR A DHIANAMH LE SGIL—Tha Dr. Wood’s Norway Pine Syrup, an leigheas a’s fhearr a gheibhear an diugh air casadich, cnatan, tuchadh, cuing, amhach-ghoirt ’sa h-uile tinneas sgamhain, air a dhianamh dhe na luibhean ’sna cairtean cliabhail a’s fhearr, agus areir nan seol is ealanta ’s is eagnuidhe, ’s bheir e faochadh do neach an uine ghoirid. Thionndaidh aon de na reiseameidean Ruiseanach a mach ann an ceannairc air an t-sheachdain sa chaidh. Bha na h-oifigich so chruaidh air na saighdearan, ’s dh’fhag na saighdearan am baile mar aon duine ’s chuir iad an aghidh air an dachidhean. Chuireadh reiseamaid eile as an deigh ’s b’fheudar dhaibh tilleadh nam priosanich. Chan eil teagamh nach bi peanas gle chruaidh air a leagail air na daoine bochda sin, oir tha lagh Ruisia anabarrach an-iochdmhor ri saighdearan a bhios ciontach de cheannairc. FACAL NO DHA A SRUILEIDH. Tha moran annn san aite so ro dhuilich airson bais an Urr. Alasdir MacFhearchair. Bha an duine coir sin iomadh uair air chuairt an so, a “samhrachadh,” agus rinn e dha fein moran chairdean, aiga bheil an nis co-fhaiteachdain ri ’theaghlach ’s ri ’luchd daimh ’nan dubhachas. Tha sinn toilichte ann a bhi ’g innse gu bheil Seumas Stiubhart, a bha air falbh an California o chionn fichead bliadhna, an drasd air chuairt ’nar measg. Tha moran chairdean aig Seumas an so, a tha gle thoilichte fhaicinn slan fallainn aon uair eile. Choimheadadh Latha Taingealachd ann sa chearna so de’n duthich air an latha orduichte agus leis an riaghailt a bhuineadh dha. Chruinnich moran sluaigh d’an eaglis ann sa robh seinn, leubhadh, agus urnigh air a dheanamh fo threoir Aonghais Mhic-Fhionghain. Labhair an duine coir sin gu druighteach air maitheas an fhreasdil do’n duthich air a bhliadhna dh’fhalbh. An deigh sin bha tionail air a dhianamh mar chuidheachadh do na h-euslaintich ann ’san do nochd na bha lath air gu moram fialidheachd ’s am farsuinneachd-cridhe ann an deagh aobhar. [TD 82] [Vol. 1. No. 28. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miasan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 3, 1892. Tha moran aig na paipearan ri radh aig an am so mu eadar-theangachadh a Bhiobuill gu Galig. Chuir Mr. T. O. Russel litir a dh’ionnsidh an New York Independent ann sam bheil e toirt cunntas gearr air an obair chudthromach sin, agus a faotinn coire dhaibhsan a ghabh i os laimh air son nach do sgriobh iad ann sa Ghalig Eirionnach. Areir a bharail-san cha robh eadar-dhealachadh sam bith roimh ’n am so eadar Galig Alba ’s Galig Eirinn, agus tha e ’g radh gur e rinn iadsan a dh’eadar-theangich am Biobull gu Galig, cainnt ur a chruthachadh ’sa sparradh a dheoin no dh’aindeoin air sluagh na Gaidhealtachd. Tha Mr. Russel gle eudmhor a thaobh seana chainnt na h-Eirinnn agus uime sin tha e cur sios gu mor orra-san a rinn an encoir so oirre, oir tha e ’m beachd gu’m faodadh muinntir na h-Alba leantuinn air an cainnt a sgriobhadh areir an t-sheana chleachdidh mar a rinn na h-Eirionnich. Tha aireamh mhath de sgoilearan Gaidhealach an deigh a fhreagirt, agus tha ’n litrichean a nochdadh gu soilleir nach robh atharachadh sam bith air a dhianamh ann a sgriobhadh na Galig ach na bha feumail, agus an aite bhi cur cainnt ur an cleachdadh gur ann a thug iad an canain gu bhi air a sgriobhadh na’s coltiche ris mar a bha i air a labhirt na bha i riabh roimhe. Tha Mr. Russel areir coltais cair aineolach air mar a bha chuis no chan abradh e uiread sa thubhirt e. Tha aon de na tha sgriobhadh na aghidh a comhairleachadh do na h Eirionnich na seann chuibhrichean a thilgeadh uapa ’s an canain a sgriobhadh mar a tha iad ’ga labhirt mar a rinn na Gaidhil, ’s na b’ ann a feuchinn ri toirt air na Gaidhil a dhol air ais gu’n doigh-sgriobhadh-san. Tha Dr. Mac Culloch an Truro, a tairsgse cearn riaghilt (quadrant) a bh’aig Columbus, a chuir gu Feill an t-shaoghil air an ath bhliadhna, chum ’s gu’m faic na h uile ’s gun laimhsich iad ni a bha gu tric air a laimhseachadh leis an duin’ ainmeil sin da’m bheil an saoghal uile ’n diugh a toirt urram. Toiseach a cheud-bhliadhna s’a dh’fhalbh, cheannich fear-malairt a mhuinntir Alba an iunnstramaid so ann sa Spain, agus aig am a bhais dh’fhag e i mar dhileab aig a mhac a thug seachad i do athair Dr. Mac Cullach ’sa bhliadhna 1825. Bha ’n cearn-riaghilt so aig Columbus air bord na luinge nuair a fhuair e America, agus tha i mar sin airidh air deagh ait aig Feill an t-Shaoghil. Tha reul-seacharain, no runnag-smuid mar a their sinn, air an adhar an drasd, ach gabhidh e sul gle bhiorach gus a faicinn. Bha muinntir a tha gabhail orra fhein a bhi nan speuradairean ag radh gu robh an reul so gu bualadh ’san talamh air an t-sheachdain ’sa chaidh, ach bha iad air a mealladh gu dona; ’s ann a tha i dol na’s fhaide bhuainn a h-uile latha. Cha d’rinn i eadhon tigh’nn cho faisg orinn ’s gu faigheamid a naidheachd. Tha ni neonach air innse dhuinn an drasd mu thigh Iain Ghrot. Mar is aithne d’ar luchd-leubhidh bha ’n tigh iomraiteach so air a shuidheachadh air an rudha ’s fhaide tuath de thir-mor na h-Alba. Tha bean-uasal a mhuinntir Lunninn a tamhachd an sin na h-aonar o chionn ochd miosan deuga! Bha i de theaglach measail, agus gle bheairteach, ach chuir i cul riutha sin uile ’s chaidh i do thigh Iain Ghrot! Di-ciaduin s’a chaidh, dh’eag an t-Urramach Dr. Siosal an Antigonish. Bha n duine uasal so na fhear deasachidh do’n Chasket o chionn shia miosan. Bha e roimhe sin na Shagart an Descouse. Bha e na dhuine foghlumichte agus bha e ro mheasail aig gach neach a chuir eolas air. Bha e gu bhi air adhlacadh aig Heatherton ’sa mhadinn an diugh. Tha J. A. Lawson, Charlottetown, P. E. I., a sgriobhadh:—Bho bhi gabhail K. D. C., theid agam air a mholadh dhaibhsan a tha fulang le droch stamag. ’Saithne dhomh feadhinn eile ’sa bhaile so a fhuair faochadh mor agus leigheas le bhi gabhail ur cungidh-leighis. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 83] [Vol. 1. No. 28. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. XI. CATAOBH. Nuair a bha Napoleon Bonapart a’ cogadh ris an Roinn-Eorpa agus a shaltair e fo a chasaibh i, sheas Breatunn ’na h-aonar a mach ’na aghaidh, gus an d’thug i buaidh. Gidheadh le innleachdan Bhonapart bha a h-uile baile-puirt san Roinn-Eorpa agus an Statachan America air an dunadh an aghaidh Bhreatuinn, air chor as nach robh malairt air a ceadachadh eadar Breatunn agus tirean eile. Chan fhaodadh na duchannan sin ni sam bith a cheannach no ghabhail a Breatunn; agus cha leigeadh Bonapart leotha ni a chreic ri Breatunn, no a chur a staigh do na puirt-mhara an aite sam bith de’n eilean. Bha sluagh nam bailtean mora ann am Breatunn uime sin ann an eigin mhoir a chion bidh; oir chan fhaigheadh iad gran na feoil a tir-mor na Roinn-Eorpa na bho America. Rinn sluagh na Rioghachd gach innleachd a chleachdadh a chum biadh dhe gach seorsa a sholar anns an duthaich sin fhein. Bha gach fearann treabhaidh agus magh air a’ Mhachair Albannaich agus ann an duchannaibh iosal Shassuinn, agus an Taobh Deas, air an leasachadh agus air am mathachadh leis gach ni a b’fhearr na cheile chum an deanamh reamhar, tarbhach, air son pailteas arbhair a thogail, gu min us flur a sholar chum arain a bheathachadh an t-sluaigh. Agus a chionn nach gabhadh beanntan arda na Gaidhealtachd treabhadh gu arbharr a thogail air son arain, smuainich daoine gun robh iad freagarrach air son crodh us caoirich a rach gu feoil a sholar air son an t-sluaigh ann am bailtibh mora Shassuinn, oir bha feurach t’ugh agus pailt air na beanntaibh sin far am faigheadh feudail agus meanbh-chrodh gu leor a chum ionaltraidh. Smuainich na h-uachdarain shanntach, agus sealbhadairean an fhearainn gun robh an t-am so ’na chothrom math dhaibh-son air san saoibhreas a chur ri cheile, nam faigheadh iad an tuath dhuchasach a chur air falbh, agus na beanntan far am b’abhaist crodh nan tuathanach a bhi air airidh san t-sambradh, a chur fo chaoraich. Air an obair aingidh so thoisich iad, agus cha robh aite sam bith air a’ Ghaidhealtachd far an do nochdadh tuilleadh ainiochd ann am fogradh an t-seann luchd-aitich na duthaich Chataoibh. Mar a thubhairt am faidh Daniel “fo neamh uile cha d’rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.” Mar sin faodar a radh fo neamh uile cha d’rmneadh mar a rinneadh air Cataobh. Air a’ bhliadhna 1807 chuir’ Bhan-iarla Chatach air falbh a sgireach Lairg agus a sgireachd Farr mu thimchioll 90 teaghlach. Ach air a’ bhliadhna 1809 chaidh na ciadan de theaghlaichean a chur as an aitean-comhnuidh ann an Sgireachdan Dhornoich, Raghairt. Loth, Chlin, agus Ghoillspidh; agus rinneadh so air doigh ain-iochmhoir gun truacantas. Dh’fhag a’ Bhan-Iarla an duthaich fo riaghladh Mhr. Young, ceannaiche saoibhir, a bha ri marsantachd air gran; agus maille ris-san bha Padruig Sellar, fear-lagha, de mhuinntir Siorramachd Mhurraidh. B’e Mr. Young an t-Ard-fhear-gnothuich, am Factor, agus bha Sellar ’na Ghille-gnothuich ag oibreachadh fo a laimhsan. An uine da no tri bhliadnaichean, dh’fhogair na daoine so a’ mhor chuid de luchd aitich nan coig sgireachdan sin a mach as an fhearann, agus thug iad a staigh Gaill a Siorramachd Mhurraidh, an luchd-ducha agus an cairdean fein, a shuidhich iad ann an aite na seann tuath. (Ri leantuinn.) D. B. B. FIOS AS AN EIPHEIT. Tha MAC-TALLA tighinn thuginn gach seachdain. Tha sinn gle thoilichte air a shon, ’s tha solas oirnn gu bheil Gaidhil as gach cearna toirt furan da theachd. Bu mhath leinn uile MAC-TALLA dh’fhas ann am meudachd; agus tha sinn an dochas gu’n toir a Bhliadhn’ Ur air sineadh, gu faigh sinn uaithe barachd naidheachdan o ar cairdean an sid ’s an so, agus gu ’m bi e na aobhar taingealachd dhuinn mar bu chubhidh d’a sheorsa, air son cur seachad nan oidhcheanan fada geamhridh. Chan eil moran naidheachdan agam-sa ’n drasda as a chuil so. Thanig Aonghas a Chubair dhachidh o chionn latha no dha as na Staitean, agus mar a thuirt am facal, e na fhior Gheancach. Tha’n tigh sgoil ur a nise ullamh, agus chan eil uainn ach maighstir-sgoile. Tha gainne ’n fheoir agus droch phris na feola an deigh gach duine chuir fo churam, agus chan eil teagamh sam bith nach “bi ’n t-earrach teann oirnn.” Ach biodh ar dochas gu math. Seinnidh Alasdir “Nam biodh agam bata biorach,” agus seinnidh Iain “Agus O Mhorag.” Agus seinneamid uile “Tha fortan aig Dia ’s e fialidh uime,” ’s cha churam nach fhaigh sinn na’s leor. IAIN MATHANACH. Dh’eug bean ann a Hamilton, Ontario air an t-sheachdain s’a chaidh a bha ceud bliadhna dh’aois. PHOS. Aig Baddeck, Nobh, 27mh, leis an Urr. D. Mac Dhughill, Robert Mac Pharalin ri Hannah Nic Amhlaidh. Aig Mira, Nobh. l7mh, leis an Urr N. Calder Domhull Caimbeal ri Mairi Nic Dhomhuill. Aig Grand River, Nobh. 22mh, leis an Urr. M. A. Mac Coinnich, Tormod S. Mac Coinnich ri Mairi S. ’Illinirean. DH’EUG. Aig an Abhinn Mheadhonich, Nobh. 20mh la, Domhull Mac Rath 88 bliadhna ’dh’aois. Aig Marble Mountain, Nobh. 17mh, Raonull Domhnullach, Eildear. 75 bliadhna dh’ aois. Aig Margaree. Nobh. 8mh, Catriona, bean Aonghais Dhomhnullich, 60 bliadhna dh’ aois. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 84] [Vol. 1. No. 28. p. 4] TAILLEAR BEINN-A-BHAOGHTA. Bha taillear uair ann am Beinn-a-bhaoghta a bha anabarrach abhcaideach o laithean oige. An uair a bha e ’na ghille ag ionnsachadh na taillearachd, thachair gu robh duine faisg air an aite ’s an robh e fuireach ris an cainte Domhull Ard. Tha e coltach nach robh “gille an taillear” (mar a theirte ris a h-uile gille og a bhiodh ag ionnsachadh na taillearachd) agus Domhull Ard gle reidh. Coma co dhiubh, thainig air a’ “mhaighstir taillear,” agus air a’ ghille a dhol do thaigh Dhomhuill Aird a thaillearachd. Ma bha gus nach robh ball aodaich eile aca ri dheanamh do Dhomhull Ard, bha “cota-mu’n-cuairt” aca ri dheanamh dha co dhiubh. An uair a bha ’n cota ullamh gu ire ’nam putan, dh’iarr an taillear air a’ ghille teannadh ri deanamh nam putan. Anns an am cha robh putain cho fursada ’m faotainn ’s a tha iad a nis. Mar bu trice b’ e ’n taillear fhein a dh’fheumadh na putain a dheanamh. So mar a bhithteadh ’gan deanamh:—Gheibhteadh pios leathair—seana bhonn broige, ma dh’ fhaoidte—agus ghearrteadh na bhideagan beaga cruinn e air chumadh putain, agus fhuaighteadh criomag de’n aodach mu gach bideig, agus bhiodh iad ’nan deadh phutain. B’ e cuid a ghille de dheanamh nam putan an leathar a ghearradh ’na bhideag cruinn. Ghearr an gille a cheud phutan, agus an uair a thug e d’a mhaighstir e, thuirt a mhaighstir ris, “Tha ’m putan so ro mhor.” “Cuireadh sibhse ann e mar a tha e; bidh an ath fhear ni’s lugha,” ars’ an gille. Ach bha’n ath fhear gle bheag: agus thuirt am maighstir, “Tha’m fear so ro bheag.” “Cuireadh sibhse ann e; bidh an ath fhear ni’s mo.” ’Se ’bh’ ann gu robh putan mor is putan beag ma seach anns a’ chota aig Domhull Ard. Thachair an uair a bha ’n taillear so an deigh a’ cheaird ionnsachadh gu robh e’ g obair ann an taigh araidh. Bha bean-an taighe cho lan de’n droch amhrus’s gu robh eagal oirre gu’n goideadh e pairt de ’n t-snath-fhuaghail. ’S e rud a rinn i chuir i a cheirtle shnath anns a chiste agus dh’fhag i ceann an t-snath aig an taillear a mach troimh thoil na glaise, agus ghlas i ’chiste, agus dh’ fhalbh i air cheann-gnothaich dhi fhein. Thuig an taillear gle mhath mar a bha ’chuis, ach cha do leig e dad air. Ach an uair a dh’ fhalbh bean-an-taigh bhrist e ’n snath. Agus mar a bha e leis an olc, thoisich e air chur char de ’n chiste. Chuir e air a taobh i, agus chuir e air ceann i, agus chuir e ’mas os a cionn. Nam b’ fhior e fhein, bha e ’feuchainn ri greim fhaotainn air ceann an t:snath. B’ i so a’ chiste anns an robh a h-ulle ni a b’ fhearr a bha staigh. Bha baine agus uachdar agus im agus uighean agus min innte, agus na soithichean a b’ fhearr a bha ’n taobh a staigh de’ n dorus. Bhristeadh na soithichean ’nan criomagan beaga, agus chaidh am baine ’s an t-im ’s an t-uachdar ’s na h-uighean ’s a’ mhin air feadh a cheile. An uair a thainig bean an-taighe dhachaidh bha ’n taillear ’na shuidhe aig an teine ’s a chasan bac air bhac, agus langan aige air gabhail oran. Ghabh a’ bhean bhochd ioghnadh an uair a chunnaic i nach d’ rinn e car obrach fhad ’s a bha i air falbh. “Tha eagal orm, a bhean, gu’n d’ rinn mise barrachd de chron na rinn mi de mhath o ’n a dh’ fhalbh sibh. Bhrist an snath-fuaghail ann an toll na glaise mu’n do tharr sibh a dhol a mach, agus o nach robh toil agam a bhith ’nam thamh gus an tigeadh sibh, chuir mi car no dha de ’n chiste feuch am faighinn greim air ceann an t-snath. Cha do smaoinich mi gu robh dad na broinn a ghabhadh bristeadh,” ars an taillear. Cha mhor nach do thuit a’ bhean bhochd as a seasamh far an robh i an uair a chual i mar a bha. Bhuail i na basan, agus thoisich i ri tuiream ’s ri caoineadh. Ma bha tur innte cha do ghabh i amhrus meirlich air duine coir, onarach gu brath tuilleadh.—Highland Monthly. CHAIDH SEONAID BHEAG A LEIGHEAS.—A Dhaoin-uaisle,—Bha Seonaid, mo nighean bheag-sa, gle dhona leis an La Grippe, agus lean droch casad i. Thug mi dhi Hagyard’s Pectoral Balsam s leighis e i am beagan uine. MRS. McARTHUR, Copleston, Ont. THA’N CHOLERA BUAILTEACH DHAIBHSAN AIG AM BHEIL DROCH STAMAG Leighis do dhroch stamag le bhi gabhail K D C An Leigheas a’s fhearr air am bheil iomradh aginn. Air a reic ’s gach aite le luchd reic chungidh-leighis. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 85] [Vol. 1. No. 29. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 10, 1892. No. 29 SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha soitheach-smuid ’g togail air Amhainn Chluaidh an drasda, ’s gu de ’n obair a tha roimpe ach a bhi giulain phriosanich a Ruisia gu Siberia! Tha i an a lionadh le crothan iaruinn ann sam bi na daoine bochda air an dunadh fad na slighe. CHAIDH SEONAID BHEAG A LEIGHEAS.—A Dhaoin-uaisle,—Bha Seonaid, mo nighean bheag-sa, gle dhona leis an La Grippe, agus lean droch casad i. Thug mi dhi Hagyard’s Pectoral Balsam ’s leighis e i am beagan uine. MRS. McARTHUR, Copleston, Ont. Chaidh “Buck” a chrochadh aig Dorchester Dior-daoin, air an t-sheachdain s’a chaidh. Rinn moran an dichioll air a chumail o’n chroich ach b’fheudar cluas bhodhar a chumail riutha sin. Tha lagh Chanada ag radh gu’m bi neach sam bith a ni murt air a chrochadh agus bha e iomchuidh an lagh sin choimhead. Be so a cheud chrochadh a rinneadh an Canada air a bhliadhna so. Tha fios a Vancouver, B. C. ag innse gu bheil da threibh de dh’Innseanich air taobh a near eilean Vancouver a cogadh ri cheile. Thoisich an aimhreit mu uisge-beatha air an d’fhuair iad greim air doigh eigin rud is tric a dh’aobharich aimhreit eadar daoine bha gabhail orra fein a bhi na bu ghlice s na bu chiallich na nah Innseanich. Tha long bheag chogidh air a turus gu aite na comhstri dh’fheuch an urrinn di sith a dheanamh eatorra. Chaidh duine ’mharbhadh faisg air Yarmouth Di-Sathairne s’a chaidh le clach a thuiteam air. Bha e fhein us daoin eile ’g obair air drochaid ur a thogail, ’s bha aca ri seann bhalla elaiche leagail. Am feadh ’sa bha iad a deanamh sin thuit am balla gun fhios daibh. Fhuair iad uile teicheadh ach an duine bochd so air an tanig tuisleadh eigin a thug air tuiteann. Mu’n d’fhuair e eirigh thanig clach a nuas agus bhuail i air sa cheann. Bha i cho trom ’s gu’n tug e beagan uine dhe chompanich a toirt air falbh. Nuair a fhuair iad sin a dhianamh bha ’n duine fathast beo ach gun a bhi aig a thur fein, ’s ann am beagan mhionaidean dh’eug e. Tha Mr. Blaine a bha roimhe so na Run-chleireach na Staite a dol gu math am feabhas an deigh a thinneis. Tha 154 bocsa de reiseidean ’s de dh’fhigean dhe gach seorsa ri’n reic saor nam bocsichean aig C. H. Harrington & Co. Chaidh Alasdair Mac Cuaire, duin og a mhuinntir Port Hastings a bhathadh faisg air Newfoundland toiseach a mhios, s’a dh’fhalbh. Tha e air a radh gu bheil Louis Kossuth air leabidh a bhais ann an Turin ’san Eadailt. O chionn mios no dha bha e ceithir fichead bliadhna sa deich a dh’aois. Cha robh greadhnachas mor sam bith mu adhlacadh Jay Gould, ach bha gach ni ’sa cheart ordugh sam biodh e mu adhlacadh duine aig nach biodh ceud dolair ri ainm fhad ’s bu bheo e. Tha Fianuis Mhontreal ag radh “gu bheil am freasdal na’s fabhariche do mhuinntir a bhaile sin na tha luchd-reic a ghuail. Thog iad sin pris a ghuail leth-dolair an tunna, na b’ airde na bha e roimhe, an duil gu robh geamhradh cruaidh gu bhi aginn, ach chuir ann freasdal side bhriagh’ oirnn, ’s tha luchd a ghuail air an doranachadh.” Ann an New York air an t-sheachdain s’a chaidh dh’eug Jay Grould, aon de na daoine bu shaoibhire bha ’sna Staitean. Chan eil fhios ceart fhathast de na bh’aige dhe’n t-shaoghal, ach tha e cinnteach gu robh gu leor aige, ged nach d’aidich e fhein sin riabh. Tha cuid ag radh gu robh tri fichead muilean dolair aige ’s tha cuid eile ’g radh gu robh fhortan na b’fhaisge air ceud muilean. Ge air bith na bh’aige ’s cinnteach nach mor a fhuair e dheth gu h-onarach. Fhad ’s bu bheo e cha robh dad air aire ach a mhath fhein. Na ’m faigheadh e saoibhreas a charnadh suas dha fein bu choma leis de thachradh do mhuinntir eile. Bha muinntir eile uime sin caoin-shuarach mu dheibhinn-san, agus ’nuair a dh’ innis na paipearan o chionn mios no dha gu robh e basachadh le caitheamh, cha robh mhoran air a radh dha thaobh an aite sam bith. Agus ’nuair a chaidh a chur fo’n fhod, cha mhor a bha ’ga chaoidh. Na thiomnadh cha d’fhag e sgilinn ruadh aig eaglis no aig bochdan. [TD 86] [Vol. 1. No. 29. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair; gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 10, 1892. Thanig corr us sia mile deug thar fhichead de luchd-imrich gu Manitoba am bliadhna. Chaidh ceud gu leth teaglach ann a Michigan, ’s aireamh mhath as na Staitean eile mar an ceudna. Tha Nollaig us Bliadhn’ Ur a nise ’teannadh dluth, ’s bidh gach neach a cur ghibhtean a dh’ionnsidh a chairdean. Tha moran dhe na gibhtean sin nach mair dad de dh’uine, ’s nach toir toileachadh sam bith do’n neach a gheibh iad ach fad latha no dha. Ma tha toil agad gibht a chuir gu d’charaid a mhaireas, cuir thuige MAC-TALLA. Cha chosg e dhuit-sa ach leth-dolair, ’s bidh e toirt do chairdeis gu cuimhne do charaid a h-uile latha dhe’n bhliadhna. Fhuair sinn litir bho Mhr. Iain Mac Coinnich, Run-chleireach a Chomuinn Ghaidhealich am Baile Hamilton, ag innse gu robh dol gu math leo, ’s gu robh iad an duil cruinneachadh a bhi aca “ris an abrar sa Bheurla concert, ach ris an abradh esan na chanain fhein, coinneamh air son ceol ’us aighear.” Bidh sinn ro thoileach cluinntinn bhuaithe rithist nuair a cheadicheas uine dha. Tha Comunn ur Gailig air a chuir air chois am baile Guelph. Bha Comunn eile air a shuidheachadh an New York air a mhios so ’dh’fhalbh. Tha e mar fhiachibh air neach sam bith a bhios na bhall dhe’n chomum sin gu’n labhir a Gailig, agus feumidh na oifigich bhi comasach air Gailig a leubhadh ’sa sgriobhadh. Tha Comunn Gailig an Toronto o chionn cheithir bliadhna deug ’s tha e nis beothaile ’s nis laidire ’n diugh na bha e riabh roimhe. Tha iad san a tha nam buill dhe’n chomunn sin gle dhileas do chainnt an sinnsear, ’s ma leigeir air di chuimhn’ i cha bhi coire sam bith ri chuir orra san. Gach geamhradh ’s abhist daibh sgoil Ghailig a bhi aca ’n co-cheangal ris a chomunn air feasgar Disathairne. SOP AS GACH SEID. Tha M. L. ag radh gu bheil moran de pharantan Gaidhealach ri’n coreachadh air son an clann a bhi deanamh di-meas air a Ghailig. Tha e ’g radh gur tric a chluinnear parantan a labhirt ri’n cloinn mar so: “A Sheonidh ruith do’n chreek ’s thoir a stigh bucket uisge.” “Jessie fosgail dorus na h-oven feuch a bheil an t-aran done.” “Murdoch, cur umad t-overcoat mu’n teid thu mach; tha ’n oidhche cho chilly,” agus mar sin sios, gus ma dheireadh nach bi a chlann comasach air Gailig a labhirt ged a bhiodh toil aca dhi. Cha bhi aca ach pronnasg de chainnt nach Gailig no Beurla, ach a tha coltach ris mar a bha Gilleasbuig Mac ’ic Mhurchidh ag radh mu urnigh Mhr Shutir, “cuid dhi na Gailig, ’s pairt dhi na Beurla, cuid dhi na h-Eabhra, na Laidinn, ’s na Greigis ’sa chuid nach tuig each, bheir e gair air Fear-Gheusda.” Bha duine coir ris an abair sinn Iain aon la ’sa choille a gearradh chraobhan. Thachir do aon chraoibh mhoir a bha e leagail tuiteam an rathad cearr ’sa bheatha chuir an cunnart. Tharr e as co dhiu, agus air dha bhi ’g innse do dhuin eile cho teann sa chaidh i air a spadadh, thubhirt e,—“na’m biodh i air bualadh orm ’sa cheann mharbhadh i damh!” Tha duin og foghlumichte de dheagh theaghlach ann an New York, a cuir fios ann am paipear, ’s ag radh gu’m pos e te bheairteach sam bith a bheir airgiod dha a cheannicheas litir-dhealich do’n bhean a tha aige, leis nach urrinn dha cuir suas! Bha spiocaire duine ann an New York aig an robh moran de dh’ airgiod paipear air fhalach ann am bocsa fiodha na thaigh. Air reir coltais cha robh tamhachd ’san taigh ach e fhein ’s teaghlach no dha de luchinn. Bha e cho gleidhteach air a storas ’sa b’ urrinn dha, ’s be’n fhior eigin a bheireadh air dolair a thoirt as. Chaidh e chunntas a chuid airgid an la roimhe ’s fhuair e gu robh na luchinn an deigh nead a dheanamh dheth, ’s gu robh e air a ghearradh na phiosan cho beag ’s nach robh feum sam bith ann! Tha Sir Iain Thompson a nise na Phriomh Mhinisteir air Canada ’s tha e ’n drasda cruinneachadh a luchd-cuidichidh mu’n cuairt da. Tha sinn an dochas gu’n dean e fear-riaghlidh glic, ’s gu’m bi gach reachd a ni e fein ’sa cho-luchd-dreuchd a chum math na ducha. Tha J. A. Lawson, Charlottetown, P. E. I., a sgriobhadh: Bho bhi gabhail K. D. C., theid agam air a mholadh dhaibhsan a tha fulang le droch stamag. ’Saithne dhomh feadhinn eile ’sa bhaile so a fhuair faochadh mor agus leigheas le bhi gabhail ur cungidh-leighis. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 87] [Vol. 1. No. 29. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. XII. CATAOBH. A chionn gun robh a’ Bhan-Iarla Chatach a fuireach ann an Stafford an Sassonn dh’fhag i riaghladh na ducha ann an Cataobh ann an lamhan nan daoine bruideil sin, Mr. Young agus Padruig Sellar. Lean iadsan air an obair aingidh, agus air a’ bhliadhna 1811 chiteadh a’ siubhal sios us suas air feadh na tire Gaill bho mhachair Alba, a’ gabhail beachda air an fhearann mun tairgeadh iad mal sam bith air son nan gabhalaichean. Oir thugadh bairlinn do mhoran dhe’n tuath gus an cur air falbh as an tighean, a chionn gun robh an tir gu bhi air a roinn na h-earrannaibh farsuinn, air son gabhalaichean mora chaorach a dheanamh dhith. Bha eagal an cridhe air na Gaill luinnseach, fhad-chasach so, gum faigheadh iad droch laimhseachadh bho’n t-sluagh a bha iad a’ dol a chur a mach as an dachaidhean, ach cha riugeadh iad leas, oir bhuin na Gaidhil bhochda gu siobhalta riutha, agus chan e sin a mhain ach thug iad aoidheachd agus biadhtachd dhaibh gu fialuidh. Gidheadh bha eucorach malluichte de Raoideach (Reid) ann an Sgireachd Chill-donnain, Gall slaodach, cladaireach gun rath, a thog tuairisgeul air buidheann de luchd-sgireachd Chill-donnain gun robh iad ’ga ruagadh gu ghlacadh air son droch caramh a dheanamh air. Cho luath ’s a chula Young agus Padruig Sellar am faoindealbh sgeoil so, leig iad orra bhi air chrith leis an eagal, oir rinn an cogaisean fhein cladhairean dhiubh, agus chruinnich iad ri cheile eadar eadar tri ficheod agus ciad Gall, Gall, an leanmhuinnichean agus an seiobhisich fein, a rinn iad a mhionnachadh mar mhaoir agus mar chonstapuill. Chaidh iad an sin agus chur iad as ordugh na gunnachan-mora a bha aig Caisteal Dhunrobainn, a bha nan laidhe gun fheum bho linn bliadhna Thearlaich. Chuir iad le cabhaig a mach teachdairean a ghairm an t-sluaigh a staigh a dh-ionnsuidh a’ Chaisteil agus rinn moran deas gu umhlachd a thoirt do ’n ghairm. Ach nuair a bha iad mar uighe sia mile do ’n Chaisteal fhuair iad sanus mu ais-innleachdan nam Factor, agus rinn iad stad. Chaidh iad an deigh sin a dh-ionnsuidh an Tigh-Osda ann an Goillspidh gu coinneachadh ris na Factoran. Thainig na seoid so leis an t-Siorramh agus le maoir us tarraidean; dh’innis iad do’n t-sluagh gun robh feadhuinn diubh gu bhi air an glacadh ’s an cur do phriosan ann an Dornoch fo amharus air son ionnsuidh a thoirt air beatha an Raoidich. La aon ghuth ghlaodh an sluagh gun robh iad neo-chiontach, agus nach leigeadh iad le h-aon sam bith dhiubh bhi air an glacadh san cur am priosan air son a leithid sin de leisgeul breige. Leugh an Siorramh dhaibh an sin reachd ris an abrar Achd na Tuaireap (Riot Act), rud nach b’aithne do na Cataich bhochd agus nach tuigeadh iad; ach sgaoil iad agus dh’falbh iad dachaidh ann an sith. Ghabh na Factoran orra bhi fo eagal; leum iad suas nan diollaidean air na h eich, agus ruith iad thun a’ Chaisteil air son didein fo fhasgath nan gunnachan mora. Chuir iad fios gu Gearrasdan Aird-nan-Saor (Fort George) air son buidhean shaighdearan, a chur fodha na ceannairc ann an Cataobh. Chuireadh Reiseamaid Eireannach a sin, a bha triall a latha ’s a dh-oidhche, astar leth-cheud mile, le airm agus uidheam-gunnaireachd. Ach nuair a thanig iad cha robh luchd-ceannairc ri fhaicinn no ri fhaotuinn, agus phill iad dachaidh gu’n taighean-feachd ann an Aird-nan-Saor, coltach ri basthairean a chuireadh air thurus breige le teachdaireachd mhealltaich air latha na gogaireachd deireadh an Earraich. D. B. B. Bha oraid ghasda air a liubhirt an Eaglis St. Andrew’s ’sa bhaile so feasgar Di-mairt s’a chaidh leis an Urr. R. S. MacLeoid, as an Oban. Bha aireamh mhath cruinn, ’s labhir an duin-uasal sin fad uair no dha mu thimchioll a ghluasid a bha measg nan Gaidheal a thaobh an fhearinn. Dh’aithris e gu mionaideach na h-aobhar an a bha aig na croitearan air eirigh an aghidh nan uachdran, na ceumannan a ghabh iad gus am mal isleachadh, ’s na croitean a dhianamh na bu mho, agus cho-dhuin e le beagan soluis a thilgeadh air staid nan croitearan an diugh. Bha mhorchuid dhe na bha lathir ro-dheonach air eolais fhaotinn air cor an cairdean sa Ghaidhealtachd, agus ’se ar barail fhein gun d’fhuair iad cuibhrionn mhath. Tha Mr McLeoid gle mheasail air a dhuthich, ’s chan aicheidh e gur Gaidheal e ge be aite ’m bi e. GUIREANAN AIR AN LEIGHEAS—A Chairdean,—An 1880 bha mo chraicionn air a lionadh le guireanan, gus ma dheireadh dh’fheuch mi Burdock Blood Bitters; an deigh dhomh tri botill gu leth ol bha mi air mo leigheas gu h-iomlan s chan urrinn mi moladh gu leor a dhianamh air. MRS. SEUMAS DESMOND, Halifax, N. S. PHOS. Aig Loch Ainslie, Nobhember 23, leis an Urr. Alasdir Grannd, Murachadh A. MacGilleain, Strathlorne ri Mor Nic Gilleain, Loch Ainslie. DH’EUG. Aig Port Hastings, Nobhember 11, Allain Caimbeal, 63 bliadhna dh’aois. Aig a Loch Mhor, Gabarus, Nobhember 22, Fionnladh Domhnullach, 70 bliadhna. Aig Amhinn Dhennis, Nov. 28, Isabel Nic-an-t-Shaoir 63 bliadhna dh’aois. Aig Westville Nobh, 23, Fiongha1, bantrach Ruairidh Shiosail, 75 bliadhna dh’aois. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 88] [Vol. 1. No. 29. p. 4] MURT NAN EIGEACH. [Tha sinn a toirt a chunntais a leanas air a mhurt imoraiteach so “Eachdridh na h-Alba”’a bha air a sgriobhadh leis an Urramach Aonghas Mac Coinnich. Cha mhor de luchd-leubhidh a phaipear so nach cuala iomradh uair no uair-eigin air Mura nan Eigeach agus tha e iomchuidh gum biodh eachdridh na thachir aig an am sin air a thoirt daibh bho thoiseach gu deireadh] Bu le Clann Domhnuill uachdranachd nan eileanan a siar araon mu’n tainig na Lochlunaich agus greis an deigh dhoibh falbh. Ach bha Clann Leoid, treubh chumhachdach, aig an robh moran fearainn air a’ mhor-thir, a’ briseadh, a steach an drasda ’s a ris, an cuid de na h-eileanaibh, ’s ga ’n toirt o Chlann Domhnuill. Fhuair na Leodaich lamh an uachdar ’s an Eilean Fhada, agus ’m pairt de ’n eilean Sgiathanach, gu maith trath ’an eachdraidh nan duthchan sin, ni a bha togail naimhdeas mor, a bha leantuinn o linn gu linn eadar iad fein ’s na Domhnullaich. Bu leis na Domhnullaich eilean Eige mu’n am am bheil ar n-eachdraidh a ni. Thachair air la araidh gu’n tainig eithir bheag air tir an Eige, le dithis, no thriuir de Leodaich. Cha do chuireadh grabadh sam bith orra car greis an deigh a dhol air tir. Ach air dhoibh a bhi air an coireachadh air son mi-stuaimeachd eigin, rugadh air na Leodaich ’s cheangladh eadar lamhan ’us chasan iad, ’s chuireadh ’na ’n eithir fein iad, a leigeadh air falbh leis a’ mhuir, ’s leis a ghaoith. Thachair bat’ a bhuineadh do Cheann-cinnidh nan Leodach ris na ciomaich thruagh so, ’s thug iad gu sabhailt iad gu Caisteal Dhunbheagain, far an robh Mac Leoid a’ fuireach. Dh’innis na daoine facal air an fhacal do Mhac Leoid mar a laimhsich muinntir Eig’ iad. Chruinnich ’us dh’armaich Mac Leoid feachd lionmhor, leis an do lion e ’chuid bhataichean gus an torachd a thoirt a steach. An uair a chunnaic na h-Eigich an cabhlach a’ dluthachadh ris an eilean, ’s a thuig iad c’arson, chaidh iad ga’m faluch fein ’an uamhaig mhoir, air nach robh ach dorus cumhang, agus allt a’ sruthadh sios ’an eudan na creig’ a bha ’foluch an doruis. An deigh do na Leodaich tighinn air tir, ’s an t-eilean a rannsachadh, thairis sgus thairis, cha ’n fhaigheadh iad duine; ach gheibheadh iad pailteas creiche. Chaidh iad air bord a nis gu falbh; ach thainig fear eigin a mach as an uaimh a shealltainn air fath ach an robh iad air falbh tha iarainn an eilein; ’s thug na daoine bh’air bord’s a’ chabhlach an aire do ’n duine so. Thainig iad air tir a ris, ’s mar a bha sneachd air an talamh, lorgaich iad an duine gu beul na h-uaimhe. Chuir Mac Leoid fios thun na muinntir a bha stigh, iad a chur a nach thuige-san na feadhainn a rinn an t-ainneart air a luchd cinnidh, ’s gu’n deanadh e riu mar a thogradh e. Cha deanadh iadsan sud, no taing, ’an duil nach bu chomasach dha olc sam bith a dheanamh orra co dhiu. Thug an Leodach air a chuid daoine cladhan eil’ a dheanamh do’n eas a bha ’foluch beul na h-uaimhe, ’s thug e orra na gheibheadh iad de chonnadh tioram a thorradh suas ’am beul na h-uaimhe ’s chur e ri thein’ e. Chum iad an teine sin a’ losgadh re iomadh uair a thim, gus an do mhuchadh a h-uile duine bha ’san uaimh. Bha mu’n cuairt do dha mhil’ ann diubh, eadar bheag ’us mhor, ’s cha tainig duine beo a mach aisde. Cha seanachas tormadach so, ach an tul fhirinn. Tha urlar na h-uaimhe gus an la ’n diugh a’ fianuiseachadh gu ’n do thachair a leithid, AIR A DHIANAMH LE SGIL—Tha Dr. Wood’s Norway Pine Syrup, an leigheas a’s fhearr a gheibhear an diugh air casadich, cnatan, tuchadh, cuing, amhach-ghoirt ’sa h-uile tinneas sgamhain, air a dhianamh dhe na luibhean ’sna cairtean cliabhail a’s fhearr, agus areir nan seol is ealanta ’s is eagnuidhe, ’s bheir e faochadh do neach an uine ghoirid. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni K D C do stamag fallam, ’s do dhion on cholera. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paiper so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 89] [Vol. 1. No. 30. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 17, 1892. No. 30. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G H MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Na innis do dhuine ’m feasd gu bheil e na amadan. Leig leis gus am faigh e fhein a mach e. Tha 150 bocsa de reiseadean ’s de dh’fhigean ri’n reic saor nam bocsichean aig C. H. Harrington & Co. Dh’eug Sir Adams G. Archibald a bha na fhear-lagha tapidh agus na bhall ann am parlamaid Nobha Scotia fad iomadh bliadhna, aig Truro Di-ciadain s’a chaidh. Tha Ceap Breatuinn ’s na duchannan mu’n cuairt a mealltuinn geamhradh briagha cho fada so. Cha mhor sneachda a chunnacas fhathast, agus chan eil deigh ri fhaicinn idir. Tha’n t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S. a sgirobhadh:—An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine ghoirid tha mi cinnteach gur cungidh leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail. Tha Mitchell, fear na sabaid, ann sa phriosan an dsasda air son ionnsidh bhruideil a thoirt air an fhear aig an robh e bordadh. Tha e gu bhi fo ghlais ’s fo iuchair fad da mhios. Dh’ fhaoidte gu’m bi e beagan na’s modhaile ’nuair a gheibh e ma sgaoil. Tha sinn a tuigsinn gu bheil Louis Kossuth marbh. B’e so an saighdear treun a rinn uile dhichioll air Hungary a dhuthich fein a shaoradh bho chuing Austria. Cha b’urrinn dha sin a dheanamh oir bha cumhachd Austria ro mhor air a shon. Bha e o chionn iomadh bliadhna a tamhachd ’san Eadailt, oir dhiult e bhi comhnuidh ann an duthich aig nach robh lan shaorsa. Tha leth-cheud duine ann an Windsor, Ontario, a tha faighinn peinsean as na Staitean. Tha na peinseanan so air an toirt do shaighdearan a bha ann an cogadh nan Staitean, agus da’n sliochd. Shaoileadh neach gu’m biodh an t-suim a thatar a paidheadh a mach a dol na bu lugha gach bliadhna mar a bhiodh na seann saighdearan a basachadh. Ach an aite sin ’s ann a tha’n t-suim a dol na’s mo a h-uile bliadhna. Chan eil an trioblaid aig Homestead thairis fhathast. Nuair a bha cheud iorghail seachad, chaidh daoin’ ura chuir a dh’obair, agus an fheadhinn a dhuilt obair a dheanamh roimhe, a dhunadh a mach. Tha paipear naidheachd as a chearna sin an drasd ag innse gu robh guim air a dheanamh am measg nan daoine aig nach robh obair air son cuir as da’n fheadhinn eile le puinnsean. Tha’m paipear so ag radh gu’n robh air a chuid bu lugha sianar air am puinnseanachadh le fudar a bha air a thoirt daibh ann am biadh. Chaidh beagan dhe’n fhudar sin a thoirt do chu agus bhasich e ’am beagan mhionaidean. Tha naoinear no deichnear ann sa phriosan air an coireachadh air son lamh a bhi aca san olc. Chaidh mein ghuail ann an Sasuinn na teine Di-ciadain s’a chaidh, agus bha moran de na memeadearan air am marbhadh. Bha na daoine uile aig an obair nuair a ghabh i teine, ’s bha leth-cheud duine no corr air an glasadh a stigh leis an draoighnich a thuit air feadh na meine. Cha robh i air a rannsachadh gu bui’each nuair a fhuair sinn fios ach bha iad a deanamh gu robh a chuid bu mho dhe na bha air an dunadh a stigh marbh. Bha aireamh dhiu a fhuaireadh beo ach bha iad cho fad air ais ’s gu’n dh’eug iad an ceann beagan mhionaidean. Nuair a thill cuid de ’n luchd-rannsachidh as a mhein, bha iad gu toirt suas leis mar a bha iad air am muchadh le ceo ’s le teas. Bha stoirmean mora sneachda air Gaidhealtachd ’s air Galldachd Alba air a mhios s’a dh’fhalbh. Bha na roidean-iaruinn air an dunadh suas le sneachda gus nach b’urrinn da na carbadan gluasad. B’fheudar dhaibh a bhi air an stad gu buileach an caochladh aitean, agus ’s ann air eigin a fhuair an luchd-turuis iad fhein a thearnadh. AIR A LAN DHEABHADH:—Chan eil duine ’n diugh ag aicheadh nach leighis B. B. B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhaidhean cho laidir ’s gu bheil B. B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cungidhean leighis a’s fhearr. [TD 90] [Vol. 1. No. 30. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAlL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’s aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 17, 1892. NA GAIDHEIL ’S NA FEIDH. Tha e cosmhuill nach ’eil stad air an obair mhi-naomh ud a tha cur fearann nan Gaidheal fo fhrithean nam fiadh. Tha barrachd gruinnd an diugh fo’n t-seilg so na bh’ ann riamh; ach a reir an t-sanais a thug Mr Macfarlan anns a Pharlamaid an la roimhe theid stad a chur air so le achd Parlamaid mu’n ruith moran uine. Ach feumaidh na Gaidheil iad fein gluasad a dheanamh mu’n chuis aig an tigh agus an t-aobhar a chumail beo mar so. Mur bi an sluaigh fein a ghnath ag agradh bidh na naimhdean ag radh nach ’eil feadhainn ’sam bith ag iarraidh atharrachadh air an lagh ach na fir Pharlamaid a tha deanamh troimhe-cheile air son an criochan fein. Thigeadh do na Gaidheil uime sin, deas is tuath, an lamhan a chumail an sas anns an obair so, agus a leigeil fhaicinn gu’m bheil iad durachdach mu’n chuis. Tha e soilleir gu leoir ma dh ’fhagar nithean mar tha iad nach fhada gus am fas am fearann ro dhaor feadh na Gaidhealtachd, oir paidhidh e ni’s fhearr do na h-uachdarain fhagail buileach fo’n t-seilg na bhi’ ga chumail mar fhearann araich fo thuath bhig. Tha e iomchuidh, uime sin, gu’m biodh na Gaidheil a’ togail an guth gu treibhdhireach mu’n chuis so, agus nach biodh na frithean a’ farsuinnachadh fo’n srontan, agus an cothrom beoaltrum so a thatar a’ deanamh air na feidh an aite nan daoine.—Oban Times. AIR SON ATAN:—A Dhaoin uaisle,—bha droch at air amhaich mo nighean bheagsa, tri bliadhna dh’aois. Dh’fheuch mi Hagyard’s Yellow Oil agus an uine ghoirid dh’fhalbh an t-at gu buileach. MRS. C. E. WENDOVER, Manda, Man. “Cia lion duine cloinne a th’agibh-se a Sheonaid?” “Ma ta, le’r cead, tha triuir mhac agam. Tha dithis dhiu beo agus tha ’n treas fear posda.” COMUNN GAIDHEALACH NEW YORK. Tha “Eileanach” a sgriobhadh dh’ionnsidh a Scottish Canadian mar a leanas:— Bha a’ cheud choinneamh mhiosail de ’n chomunn so air a cumail air oidhche Dhiciadain ’sa chaidh, ann an Union Hall, an ceann suidhe, Mr. Iain Sutharlan sa chathair. A thaobh gu’m b’e so a’ cheud choinneamh, cha d’rinneadh moran ullachaidh air son fearas-chuideachd, gidheadh cha robh gainne air luchd-iabhairt air luchd-ciuil, no seinn. Bha oraidean air an liubhairt le Fear-na-cathrach, T. O. Rusal, agus Niall Domhnulluch, bard a chomuinn. Bha orain Ghaidhlig air an seinn le Iain MacIllean, Domhnull Dughallach, agus Domhnull Domhullach. Chuir Iain MacCoinnich cuairtean sunndach air a phiob mhoir, a thog aoidh air aigne na bha ’ga eisdeachd. Bha litrichean Gaidhlig air an leughadh bho Mr. Iain MacCosnnich, Run-chleireach Comunn Gaidhlig, Hamilton, agus bho uaislean eile, a guidhe soirbheachadh math do ’n chomunn. Chaidh naoi deug air fhichead, do bhuill ur aonadh ris a chomunn, agus tha tuillidh ri bhi air ah aonadh aig an ath choinneamh. Bha Comunn Gaidhealach New York air a steidheachadh air an t-Samhuinn sa chaidh. Chaidh na h-oifigich a leanas a thagadh gu deireadh na bliadhna so: Ceann-suidhe, Iain Sutharlan, Iair ceann suidhe, Donacha Robaston, Run-chleireach, Domhnull Domhnullach, Ionmhasair, Nial MacAoidh, Bard, Nial Domhnullach, Piobaire, Iain MacConnich, cuideachd-riaghlaidh, Aonghas Caimbeul, Uilleam Brittain, agus Iain Mac Aoidh. Chi sibh gu’m bheil ainmean agus sloinnidhean nan offigeach cho Gaidhealach ri foid moine, agus tuigidh sibh gu’m bi gnothaichean a chomuinn sabhailt nan lamhan. Se miann a chomuinn, oidheirp a thabhairt gu tuillidh chairdeis, ’s companais bhrosnachadh am measg Ghaidheal New York, agus meadhonan ullachadh leis am faod buill a chomuinn iad fein a’ dheanadh eolach air an cainnt mhathrail a chum a labhairt gu pongail deas-bhriathrach; agus mar an ceudna comhnadh ’s comhairle a thabhairt cho fad ’s cheadaicheas cuisean e do neach air bith do ar luch duthcha a thig a’ dheanadh an dachaich ’s a’ chearn so do ’n t-saoghal. Tha coinneamh chaidreach ri bhi aig a chomuin air oidhche na calluinne. Thanig fear, B. F. Paulson, ri bheatha fein ann am Boston an la roimhe. Bha e fhein ’sa bhean a fuireach ann an aon de na taighean bu bhiragha bh’ ann am Boston. Bha e mu leth-cheud bliadhna sa coig a dh’ aois, ’s dh’fhag e faisg air da mhuilean dolair. Chan eil fhios de thug air cuir as da fein. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. as 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22: Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cha math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 91] [Vol. 1. No. 30. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. XIII. CATAOBH. Ann am mios a’ Mhairt 1814 fhuair moran de ’n tuath ann an sgireachd Farr agus Chill-donnain bairlinn a chum falbh as an croitean aig a’ Chaingis a bha ann an deigh sin. Gus a’ chuis a dheanamh cinnteach, agus gu cabhag a chur riutha gu falbh leis an spreidh, chuireadh faloisg ris an fhraoch air am b’ abhaist do ’n spreidh a bhi ag ionaltradh san earrach, nuair a bhiodh an t-innlinn gann. Rinneadh so le ordugh Phadruig Sellar, a ghabh am fearann aca air son gabhail chaorach dha fhein. Chaidh an duine malltaichte so an sin, agus chuir e teine ris na taighean aig an t-sluagh bhochd. Bha so furasda dheanamh, oir bha an ceann-fhiodh agus na cabair air an deanamh de ghiubhais blair, seann chraobhan giubhais a bha ’nan laidhe sa’ mhointich bho cheann chiadan bliadhna. Nuair a thiormuich an giubhas so le smuid agus teas an teine, dh’fhas e cruaidh lasarra, so-loisgeach, tein-abuich mar fhudar gunna, agus ann an tiota chaidh na taighean nan smal. Bha na daoine agus na gillean laidir anns a’ mhonadh a’ sealltuinn an deigh na spreidhe. Cha robh aig an taigh ach na seann daoine breoite, na mnathan, agus a’ chlann bheag; agus ged a thug iad so oidhirp air na b’urrainn daibh a thearnadh bho ’n lasair, gidheadh bha an teine cho dian bras, le tiormachd a’ ghiubhais, agus gun do loisg chan e mhain fiodh, nan taighean, ach mar an ciadna moran de ’n airneis aig na daoinibh bochda. Gaoir nan creutairean truagh sin, an t-uamhunn, agus an t-an dochas a chiteadh cho soilleur riochdail nan gnuis maille ri n a’lanaich a lamharra agus caithream ain-iochdmhor an luchd foirneairt, cha ghabh so innseadh no a chur an ceill ann an cainnt. Chiteadh Padruig Sellar an sin, cosmhnil ri deamhan a’ stiuradh, ag aithne agus a’ stuigeadh nan daoine a bha ri obair an leirsgrios. Fhuair moran de na creutairean bochd am bas leis an eagal, le fuachd agus le h-anradh. Theich seann daoine do na coilltibh agus chaidh iad thar am beachd. Thainig saothair roimh ’n mhithich air mnathaibh leth-tromach, agus bhasaich moran de’n chloinn bhig, oig, le fuachd agus droch caramh. Chaidh Padruig Sellar le deichnear dhaoine naird gu braigh aite d’am b’ainm Rossal a chur teine ris na taighibh. Nuair a rainig iad taigh Uilleim Shiosail, an ceard, ann am Bad-an-losguinn, fhuair iad mathair-cheile an t-Siosalaich ’na Uidhe air leabaidh leis an aois agus leis an euslaint, Bha eagal air na daoinibh teine chur ris an taigh, oir bha a’ bhean faisg air ciad bliadhna dh’aois. Uime sin rinn iad foighidinn gus an d’thainig Sellar, agus dh’innis iad da mar bha a’ chuis. Se am freagradh a thug e, “Seann bhana-bhuitseach an diabhoil, tha i tuilleadh us fada beo; cuiribh teine rithe agus loisgibh i.” Chuir e fhein ’s a dhaoine an sin teine ris an taigh, agus bha na plaideachan, air an d’thugadh a mach i le h-ighinn fein, air an dathadh leis an lasair. Nuair a chunnaic an t-seann bhean an taigh ’na theine ghlaodh i mach, “O, Dhia! an teine, an teine!” thug iad a mach i, agus chuir iad am bothan chaorach i a bha faisg air laimh. Cha do labhair i facal riabh tuilleadh agus an ceann choig laithean fhuair i am bas. D. B. B. LITIR BHEAG A BAILE-MOR LUNNINN. A GHAIDHIL CHOIR:—’Sann le mor-thoileachas a tha mi tuigsinn bho na chaidh a radh ann an cuid de na paipearan Gaidhealach gu bheil paipear naidheachd fior Ghaidhealach air a chuir a mach leibh. Tha e na thamailt mhor do na Gaidhil ann am Breatuinn nach eil aca, mach o Theachdaire na h-Eaglise Saoir, paipear naidheachd ’nan canain aosda fein. Co dhiu tha e na chomharra math gu bheil crioman Gailig ri fhaicinn gu tric an sid ’san so ’sna paipearan, agus gu bheil da rireadh gluasad am measg nan cnamhan tioram, Tha mi cinnteach gu’m biodh moran oganach a’s aithne dhomh sa bhaile so gle thoileach ur paipear gasd’ fhaotinn bho am gu am, agus uime sin tha mi ’sgriobhadh thugaibh a nis. Am faod mi iarridh oirbh aon aireamh a chuir thugam chum ’s gum bi fios agam air a phaipear agus air a phris. Ni mi na’s urrinn domh MAC-TALLA ’thoirt fa chomhair mo chairdean, agus le bhur cead bheir mi dhuibh sgeulachd no dha ma bhios an leithid sin freagarrach air son ’ur paipear. Gabhibh mo leisgeal air son mo dhroch Ghailig, oir ’s ann an Lunninn na smuide a dh’ionnsich mi na tha agam de chanain nam beann. Le deagh dhurachd, agus a guidhe soirbheachadh math agus lan bhuaidh dhuibh ann ’ur saothir ionmholta, is mi, Ur fear-ducha dileas, UILLEAM MACGILL-IOS Lunninn, Dec. 1892. ULLICH AIR SON CHOLERA:—’Se glainne, curam, agus misneach na nithean a’s fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. Gabh Burdock Blood Bitters air son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat. Ma tha thu dol a chuir a dh’iarridh a MHAC-TALLA, ’s tha fhios gu bheil, cuir ’ga iarridh gun dail, agus feuch ri fear-eigin eile fhaighinn a chuireas ga iarridh aig an aon am. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 92] [Vol. 1. No. 30. p. 4] COMUNN GAILIG HAMILTON. Bha Talla nan Foresters air a lionadh an raoir le muinntir a-chomuinn Ghailig agus an cairdean. Bha feadhinn a lathir, chan ann a mhain a mhuinntir Hamilton ’s nan aitean mu’n cuairt, ach a Ceap Breatuinn ’s a Columbia Bhreatunnach, agus chuir iad seachad an oidhche gu cridheil, fonnmhor. Bha an duine comasach, surdail, Dughall Iain Caimbeal ann sa chathir. Dh’fhosgail e choinneamh le oraid bhriagha thoirt seachad ’sa Ghailig agus ’s ann aige fein a tha’n t-urram air. Bha piobaireachd air a dheanamh le Seoras Mac-a-Ghobha, ’s dhanns ceathrar ghillean oga “Ruidhle Thullachain.” Sheinneadh oran Gailig le Anna Nic Mhaoilein, Flori Nic Gilleain, Alasdir Mac Ghriogair, agus Domhnull Hunndar. Sheinn Nial Sea “Ho ro, mo nighean donn bhoidheach” na dhoigh fhein a chord ris a chuideachd gu math. Bha ’n ath oran air thoirt le Iain MacDhughill, “Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhanail,” agus an deigh sin chluich Seoras air a phiob “’s toil leam fein an Caimbealach dubh,” ’s dhanns Uilleam Oswald “seann triubhas” Thugadh a chuid so dhe’n aighear gu crich le Anna Nic Mhaoilein a sheinn “Mo run geal dileas.” Chum fear na cathrach gnothuichean ann an deagh ordugh re na h-uine bia sinn cruinn. Faodidh sibh a bhi cinnteach gu’n chuir sinn am fraoch ri theine mun robh an da uair dheug air teachd. IAIN MACCOINNICH, Run-chleireach a Chomuinn. Hamilton, Dec. 7mh. 1892. SEAN-FHACAIL. Am fear a’s fhearr a chuireas ’se a’s fhearr a bhuaineas. Cha do bhrist deagh urram ceann duine riamh. Chan fhaodar a bho a reic ’sa bainn’ ol. Deireadh an latha ’s math na h-eolich. Chan ann gun fhios, car son a ni an clamhan fead. Ruigidh roinn air biadh na cnotha. Uaisle gun chuid ’s maragan gun gheir. Chan eil duchas aig mnaoi no aig ministeir. Ge b’e ghoideadh an t-ubh circe ghoideadh e ’n t-ubh geoidh. An car a bhios sa mhathair ’s gnath leis a bhi ’sa nighinn. Ge b’e nach gabh nuair a gheibh, chan fhaigh nuair is aill. Ge b’e ni ’n obair na h-am bithidh e rithist na leth thamh. Far am bi do chradh bithidh do lamh, ’s far am bi do ghradh bithidh do thathaidh. AN TIM A BH’ ANN O CHIAN. (Auld Lang Syne) ’N coir seann luchd-eolis dhol a beachd, ’S gun chuimhn’ orra bhi ann? ’N coir seann luchd-eolis dhol a beachd, ’S na laithean a bha ann? Air sgath an tim a bh’ ann a ruin, Bir sgath an tim a bh’ ann, Gun gabh sinn fhathast cupan tlath Air sgath an tim a bh’ ann. Bha sinne comhla feadh nam bruach A tionail neoinein annt, Ach ’s sgith air seachran ceum ar cas Bho’n tim o chian a bh’ ann. Bu trath us anmoch sinn san allt Ag iomair ’s sinn nar clann, Ach dheallich cuaintean farsuin sinn Bho’n tim o chian a bh’ ann. Mo charaid earbsach gabh mo lamh, ’S sin fhein do lamh a nall, ’S gun gabh sinn cuach gu cridheil lan Air sgath an tim a bh’ann. Gu cinnteach ’s leat do bharail fhein, ’S mo bhaaail fhein tha leams, ’S gun gabh sinn cupan caoimhneil lan Air sgath an tim a bh’ ann. M. MACRATH, Ottawa. Tha e air a radh gu bheil 94,000 de luchd-oibreach Austria nan tamh, gun choire srm bith a bhi aca fhein ris. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni K D C do stamag fallam, ’s do dhion on cholera. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 93] [Vol. 1. No. 31. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 24, 1892. No. 31. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comhairlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Shaorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Nol’aig mhath do uile chairdean a MHAC TALLA. Tha Parlamaid Ard-fhlaitheachd Chanada gu bhi cruinn air an 26mh latha dhe’n mhios s’a tighinn. Chaidh long Fhrangach a bhristeadh air eilean Guersney, a deas air Sassuinn, agus chailleadh a h-uile duine bha air bord. Ann am baile beag an Ohio, an la romhe loisg duine daorich urchir am measg cruinneachadh de chloinn bhig agus mharbh e dithis nighean. Cuir a dh’iarradh a MHAC-TALLA an drasda, chum ’s gu ’m bi e agad bho thoiseach na bliadhna. Cha chosg e dhuit ach leth-dolar sa bhliadhna. [?] ann sna Staitean aig am bheil an aona mhuidhe deanamh a cuid [?] chionn leth cheud bliadhna. Mhaistrich i ’san uine sin fiach corr us deich mile dolair de dh’im Chaidh Gilleasbuig Cammill, meinneadair Frangach a mharbhadh am Port Arthur Di-luain. Loisgeadh air aig a dhorus fhein, agus bha e marbh ’an tiotadh. Cha d’fhuaras a mach fhathast co loisg air. Tha fear Sheridan an taigh-nam-bochd ann an Lunninn an deigh dileab mor fhaighinn. Dh’eug puithar-mathar dha agus o nach robh dileabach eile aice, dh’fhag i aige tri cheud mile punnd Sassunnach. Chan fhaod a bhith nach cum sin e as a bhochdainn ri bheo. Thachir sgiorradh eagalach aig Bathurst Di-sathairne s’a chaidh. Bha dithis nighean oga da’m b’ainm Smith faisg air an rathad iarrinn le each us sleigh nuair a ghabh an t-each eagal roimh charbad-smuid a bha faisg orra, agus theich e, a tilgeadh nan nighean a mach as an t-sleigh. Bhuail ceann te dhiu air an rathad chruaidh agus bha i air a grad mharbhadh, ach gu fortanach cha d’rinneadh dochann sam bith air an te eile. Bha ise chaidh a mharbhadh mu dha bhliadhn’ ar fhichead a dh’-aois. Tha meinnean Springhill nan tamh aon uair eile. Tha tri cheud deug meinneadair an deigh seasamh a mach a diultadh buille bhualadh gus am bi cuisean air an ceartachadh eadar iad fhein us sealbhadairean nam meinnean. Thoisich an aimhreit mu lionadh nam bocsichean guail. Bha cordadh eadar na gualadairen ’sam maighstirean o chionn aireamh bhliadhnichean, gu’m biodh bocsa air a mheas lan nam biodh an gual a tighinn cho faisg ri sia oirlich air a bheul, nuair a thigeadh e mach as a mheinn. Bhristeadh air a chordadh sin an t-sheachdain s’a chaidh; rinn sealbhadairean na meinne lagh ur, ’s cha ghabhadh iad bocsa guail mar bhocsa lan mur biodh an gual a dh’ionnsidh a bheoil. Bha aireamh dhe na daoine air an cuir as an obair air son leantuinn ris an t-seann tomhas. Thog an luchd-oibreach uile an guth an aghidh so ach airier coltais, cha d’fhuair iad eisdeachd, agus sguir iad a dh’obair gun dail. [?] mhor uile nan tamh agus fuachd a gheamhridh [?] idir ullichte air a shon. Tha gual gle ghann sa bhaile, a chionn nach robh duil aona chuid aig na meinneadairean no aig muinntir eile gu robh so gu tachirt, agus uime sin cha d’rinn iad dad a chuir ma seach. Tha cuid dhe’n bharail nach fhada gus am bi cuisean mar a bha iad roimhe, agus b’fhearr’ gu’m bitheadh; ach ma bhios na meinnean nan tamh ro fhadla bi’dh moran a fulang le fuachd us acras. ULLICH AIR SON CHOLERA:—’Se glainne, curam, agus misneach na nithean a’s fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. Gabh Burdock Blood Bitters air son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat. Tha’n amhach ghoirt air bristeadh ann an’ caochladh aitean ’an Newfoundland, agus a toirt basmoran. POSAIDHEAN. Dec. 20 mh, leis an Urr. D. Drummond, Calum Mac’Ille-Mhaoil, ’san Acarsaid Mhor, ri Sin Nic Coinnich, am Boulardarie. Aig Boston, Nobh 30mh, leis an Urr. S. Gunn Raonull Mac-a-Phearsain, Ceap Breatuinn, ri Carstiona Johnston, a Eilean Phriunns Iomhair. [TD 94] [Vol. 1. No. 31. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 24, 1892. Tha cuisean gle mhi-shocair ann sa Fhraing aig an am so, agus tha e na aobhar eagail gu’m brist iorghail a mach mar a bhrist iomadh uair roimhe. Tha nithean a thaobh rathad-uisge Phanama a tighinn am folais gach latha ’sa nochdadh gu robh cealgaireachd us slaightearachd aig bunghnothuich sin bho thoiseach. Tha cuid dhe’n bharail gu robh lamh eadhon aig an luchd-riaghlidh ann sa ghuim; s tha so a cuir a chaothich air an t-sluagh, oir ’sann as am pocaidean-san a bha ’n t-airgiod a tighinn a bha na creachadairean a carnadh suas dhaibh fein. Ma bhristeas fearg nam Frangach a mach chan eil fhios co aige stadas iad, oir leig iad ris uair us uair roimhe so nach eil ciall na tur aca ann an dortadh fala. Tha mar an ceudna aireamh mhath ann san duthich a tha ro-dheonach air riaghladh na Comh-fhlaitheachd a thilgeadh bun os cionn, agus rioghachd a chuir air chois. Tha iad so a brosnuchadh an t-shluaigh mar a’s urrinn dhaibh an aghidh an luchd-riaghlidh air son an criochan fein a thoirt gu buil. Tha’n sluagh mar ann fudar; agus ma gheibh naimhdean na comh-fhlaitheachd sradag a chuir riutha bidh aon iorghghail uamhasach eile ri chuir sios air clar-eachdridh na Frainge, eachdridh nach urrinn do neach a leubhadh gun a bhi air a lionadh le uamhann us oillt. Chaidh ceannichean Breatunnach a mhurt o chionn ghorid air eileanan Sholamh ’sa Chuan Chiuin. Chuir Breatuinn longchogidh dh’ionnsidh nan eileanan ag iarridh nam murtairean a bhi air an toirt suas air son am peanasachadh. Dhiult na h-eileanich so a dheanamh, agus chaidh na gunnachan-mora a chuir riutha agus am bailtean a sgrios. Chaidh Coirneal Davidoff, oifigeach ’san arm Ruiseanach, a mhurt na thaigh fhin air an t-sheachdain s’a chaidh, agus tha bhas an deigh gluasad mor aobharachadh air feadh na ducha. Tha e coltach gum b’e fear de na Nihilich a chuir as da. CLANN DOMHNUILL. LE ALASDIR AN RIDGE. [Rinneadh an t-oran so mar fhreagairt do “Oran molaidh Chlainn Leoid” a bha air a thoirt do luchd leubhidh a phaipear so air a mhios s’a dh’fhalbh. Tha am bard dhe’n bharail nach robh Clann Leoid riabh cho cliu-thoillteanaach ri chinneadh fhein.] SEISD.— Ho i ri ri iu o, Ho i ri ri iu o, I ri ri ’s na i iu o, Tha mo run air clann Donill. Gur a binn leam bhi leubhadh Ma ’n churaidh bha an Sleibhte, Domhnull MacIain ’Ic Sheumais, Chuir nan eigin Clann Leoid. Latha mor sin na traghad, Le aon dusan de chairdean; Bha da fhichead san arich, Do dh’alach Chlann Leoid. Ged bha ’n tarbh air an reidhlean S’ e’ air toseach na cleitha, Cha do chrith na fir Shleibhteach S bha ’n ratreut air Clann Leoid, Cha d’rinn bratach na sithe Air an la ud bhur didean, Bha da fhichead na sineadh Dh’ aindeoin innleachd Chlainn Leoid. B’ iomad gaisgach math gleusda Bha tamh ann a Sleibhte, Sir Domhnull, ’s Sir Seumas, Agus ceudan a chorr. Dun-Tuilm na fear treubhach, Dun flathail na feille, Sam bidh tathaich luch theudan, Far an eisde ri ceol. Clann Domhnuill mo ghraidh-sa, Bu ro chliutach mar thainig Bho righrean na Spainnte, S bho chinn ard na Roinn Eorp. Clann Domhnuill nan geur-lann, An cinneadh mor euchdach, Nuair a chairte gu streup iad, Cha bu reith dol na n coir. Bho Gharaidh ’s bho Shleibhte, Bho Mhudeart nan geugan, S bho Cheapaich nam peuran, Dheanadh reubhadh us leon. B’iad na suinn a bha ainmeil Leis ma chubhridh cath gharibhach, S a fhuair tigh us leth Albinn Air a dhearbhadh le coir. Tha bhur ’n eachdraidh ro dhireach, Irla Rois agus Ile, Innse ghall us Chinntire, Siol a Mhilidh nan Srol. Nuair a thogte bhur bratach, Dol ri aodan nam baitail, Bhi air deas laimh nan gaisgach, B’ e sid fasan na seod. S na fagte sid aca Mar a fabhaist s mar chleachd iad, Gun taradh iad dhachaidh Fir Shasuinn nan cleochd. Tha’n t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S. a sgirobhadh:—An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine gho mitha irid cinnteach gur cungidh leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 95] [Vol. 1. No. 31. p. 3] IOLAIRE LOCH TREIG. Bha roimhe seo seann iolaire mhor a tamh an Aird-mheadhoin Loch-treig far am minig a bha a seorsa. Bha i liath leis an aois bho’n bu chuimhne leatha fhein e, ’s bha i uime sin an duil gum b’i creutair b i shine bhi beo ri ’linn. Ach an earalas nach faododh a comhaois a bhi mairionn an ait eigin, chuir i roimhpe, an ciad cothrom a gheobhadh i, sgriob a thoirt air chuairt. Bliadhn’ a bha ’n sin thainig an aon Oidhche-Bhealltuinn a b’fhuaire dh’ fhairich no chunnaic i riabh, agus smaoinich i gum bu mhath an leisgeul d’i e air a run fallaich a chur an gniomh; agus ’s a’ mhaduinn mhoich Latha-Bealltuinn sin fhein seach latha sa bith, mu’n do bhlais na h-eoin eile an t-uisge, togar oirre air cheann a turuis. Cha robh duil bheo a thachradh oirr,e ach nial na h-aoise bhi oirre, nach farraideadh i. “Am fac thu oidhche-Bhealltuinn riabh cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” ach chan fhac a h aon. “Coma bha ’n latha as a thoiseach ’s bha i mar seo ag cumail air a h-aghart gun chluain gun chlos gus an do thachair seann dreathain donn coir oirre. “Failt air an dreathian, latha buidhe Bealltuinn,” ars ise, “am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Ach sean ’s g’ an robh tuar ’us dreach an dreathain cha b’ fhiosrach e gu’m fac. Cha robh eolas aige air creutair bu shine na e fhein; ach chual e gu ’n robh seann ghobha-lubh bho chian am Bun-Ruaidh, ’s ma bha e fhathast beo, gum bu dualach ma thainig a leithid gu ’m fac esan i; agus sheol e ’n rathad dhi. Thug i taing do ’n dreathan, agus togar oirre gu ceardach Bhun-Ruaidh. Rainig i; ach cha robh roimhpe ach larach fhuar,—thriall gach mith ’s gach math, ach an gobha-dubh; ’s bha esan fhein bho chian dall leis an aois, agus an deigh toll a dheanamh ’s an innean a glanadh a ghuib. Chuir i failte na Bealltuinn air a ghobha, ’s dh’innis i fath a turuis. “Am fac thu riabh” ars ise “Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Thug an gobha glaomadh bochd air fhein, ’s thuirt e nach faca riabh, agus nach cual e iomradh air a leithid; ach gu ’n robh seann udlaiche bho chionn fhios c’ uine tathaich Choill-Innse; ’s gu’n robh a chalg air liathadh leis an aois bho ’n bu chuimhne leis-an a bhi na bhuta beag a’ sgiathais air feadh nam preas. “Bu tric leis uine ’s aimsir an deigh sin,” ars esan, “tighinn a nall air cheilidh orm a chur seachad na h-oidhche faide geamhraidh, agus a thoirt sgeoil domh air cor na duthcha, ach sguir sin. An turas mu dheireadh a bha e bhos, bha ’n aois cho trom air laidhe air ’s gu ’m beil eagal orm nach ’eil e ’n urrainn gluasad mor a dheanamh. Thug sinn cho fad an coimhearsnachd d’ a cheile ’s gu’n dean mi, mar a thuigeas tusa, sogan ri sheann langan, tuchanach mar a tha an uair a chluinneas mi e ’sa chamhanaich. Is e creutair a’s sine tha lathair an diugh fad m’aithne ’s m’eolais; agus ma ni thu guth aige ’s an dol seachad, innis dha fath do thuruis agus gu ’m fac thu mise; ’s mur ’d thainig caochladh air ni e do lan di-beatha.” Dh’aithris e ’n sin d’a gnothuichean araid a thachair ri linn nan triath bu chuimhne leis am faicinn; mu euchdan o shinnsrean agus mu bhuil a mhurichinn. An uair a bha iad ag gabhail “maduinn mhath” da cheile dh’earbh us dh’earail e oirre taghal aige an ath uair a bhiodh i ’n rathad. Gheall i gu modhail do’n ghobha gu’n taghladh, agus thog i oirre do Choill-Innse ’s fhuair i ’n t-udlaiche na chruban am fasgadh seann stuic fhearna agus spideanan deigh le cuinneanan a shroine. Chuir i failte na Bealltuinn air agus dh’innis fath a turuis. An fac thu riabh, ars ise “Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Bha ’nt t-udlaiche cho sean ’s gu ’n do “leig e n’ cabar air an t-shlinnean;” ach thuirt e air a mhain-athais nach bu chuimhne leis gum faca riabh. Fhuair i gu faoilteach furanach e, agus dh’ fhiosraich e gu caoimhneil mu’n ghobha dhall. Thug iad an sin treallan air seanchas agus air sloinnteireachd ’s bha ’n iolaire dol a thagairt urram na h-aoise; ach an uair a bha iad a dealachadh, thuirt an t-udlaiche gu’u robh breac cam ann an lochan Choire na ceanainn air an do chuir eolas an trath a bha e na laoighean og an cois a mhathar ’a tighinn a nall an Lairig-leacach a Beinn a bhric. “Bha smalaich na h-aoise air an uair sin fhein [?] ma tha uine agad, is fiach dhut dol dh’a choimhead, is cnacaiche gasd e.” Is e bh’ann gu’n do thog i rithist oirre ’s gu ’n ’d rainig i ’n lochan. Chuir i deoch-eolais air a’ bhreac cham, agus dh’innis i fath a turuis; “Am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Thuirt am breac gu’m fac—aon oidhch’ eile, ’s gu ’n robh i cho fuar, ’s ged a bha e ’n teas’ fhala ’san treine neart gu ’m b’eudar dha toiseachadh air gearradh shurdag air feadh an uisge ’chumail teas air fhein; “Agus” ars esan, “surdag dh’ an d’ thugas, leumas as an uisge ’s buailear mo leth-cheann ris an uisge ’s buailear mo leth-cheann ris an lic dhuibh ud thall; ach bha nimh an reothaidh cho dian, ’s mu ’n d’fhuair mi mi fhein a thoirt air ’m ais gu ’n do lean mo shuil ris an lic; ’s ’dh fhag sin an diugh mise cam!” An trath chual an iolair seo, thug i modh ’us urram na h-aoise do’n bhreac; agus thill i air a h-ais a dh, Aird mheadhon a dh’aithris a sgeoil do nalach og. Chunnaic iad ioma latha geal grianach an deigh sin; ach cho fad ’s a b’urrainn d’i sgiath a ghluasad, cha deachaidh latha Bealltuinn fuar no teth seachad oirre nach deachaidh i tacan air chelidh air na h-aosdai coir,—an gobh, an t-udlaiche, agus am breac. AIR SON ATAN:—A Dhaoin uaisle,—bha droch at air amhaich mo nighean bheagsa, tri bliadhna dh’aois. Dh’fheuch mi Hagyard’s Yellow Oil agus an uine ghoirid dh’fhalbh an t-at gu buileach. MRS. C. E. WENDOVER, Manda, Man. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bather a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 96] [Vol. 1. No. 31. p. 4] FOGRADH NAN GAIDHEAL. XIV. CATAOBH. Obair na dunach air an do thoisich Padruig Sellar lean e air adhart gun stad, a’ cur an t-sluaigh a mach as an taighean, gus an robh an tir air a tionndadh gu bhi na nochd-laraich luim gun duine chomhnuidh innte. Bha tri gabhalaichean mora chaorach aige ann an Srath Namhair, agus bha aon diubh so coig mile fichead air fad, agus naoi no deich de mhiltean air leud. Bha sia mile thar fhichead de chaoirich aige anns na h-aitibh sin, far an robh roimhe sin da no tri de mhiltibh sluaigh a chomhnuidh. Bha gabhail mhor eile aig dithis de mhuinntir taobh tuath Shassuinn anns an robh ciad mile acaire fearainn a bha math air son feuraich. Dh’fhaodadh ciad teaghlach a bhi air am beathachadh air an fhearann so, agus mile acaire bhi aig gach teaglach air son ionaltraidh an spreidh. A chionn gun d’fhogradh an tuath a mach a Srath Namhair cha robh feum air an eaglais na b’fhaide agus leagadh gu lar i; chaidh am fiodh a bha innte a ghiulan air falbh gu tigh osda thogail an Alltan-a’-charraigh, agus rinneadh taigh-taimh a mhinisteir a thionndadh gu bhi na fhardaich aig a’ bhrocair a bhiodh a’ ruagadh nan sionnach. Chaidh boirionnach araid troimh an t-srath air a’ bhliadhna an deigh an di-larachaidh, agus nuair a thill i air a h-ais dh’fheoraich neach dhith, “Ciod an sgial a th’ agad?” “Och!” arsa ise, “tha sgiala bronach! sgiala bronach [?] againn na thubhadh air an taigh-osda aig Alltan a’ charraigh; chunnaic mi an cladh far am bheil ar cairdean nan laidhe lan de chaoirich air an smeuradh le tearr; agus chunnaic mi an seomar far am b’abhaist do Mhr Sage bhi cnuasachadh a chuid searmoinean, na fhoil chon aig tolairean Rob Ghuinne, am brocair: agus chunnaic mi nead na feannaig air mullach simileir Sheumais Ghordain!” Chuir Padruig Sellar teine ri taighibh an t-sluaigh ann an sgireachdan Farr, Roghairt, Ghoillspidh agus chill-donnain. Chuireadh buidhnean dhaoine le leusan teine a mach a chur fadaidh ri ionadain comhnuidh an t-sluaigh bhochd. Bha mu thimchioll da chiad gu leth taigh a’ losgadh comhlath ann an aon oidhche. Mhair an comh-losgadh so sia laithean, gus an robh an t-iomlan de na taighean na smuidrich agus ’nan smal. Bha an deathach cho tiugh a’ dol a mach air a’ mhuir, as gun do chaill bata a cursa air a chuan; ach nuair a thuit an oidhche dh’amais i air a’ chala le soillsean nan teintean, agus nan lasraichean a bha ag eirigh bho na taighean, a stiuireadh ri theine. Ann an Sgireachd Chill Donnain bha da mhile sluaigh a chomhnuidh, ach chuireadh air falbh iad uile gu leir, agus loisgeadh an taighean. Thainig fear d’am b’ainm Domhnull Mac Leoid air ais, a dh’fhaicinn tir a dhuchais, ann an Cill-Donnain, an deigh bhliadhnachan a dhol seachad. Chaidh e do’n eaglais air an t-sabaid a bha nise air fas cho beag ri taigh-chalman; ach mo thruaighe! chan e calmain a bha innte, ach ochdnar chiobairean slaodach, agus tuaiream fichead no deich thar fhichead cu; agus triuir de theaghlach a’ mhinisteir. B’iad sin uile an coithional. Nuair a sguir an t-searmoin agus a thoisich iad air seinn an t-120mh Sailm, far am bheil na briathran, “mo thruaighe mi gu bheil mo chuairt am Mesech!” thoisich an coithional ceithir-chasach air an ceol fhein a chur suas. Leum na coin air na suidheachanaich, thoisich iad air burralaich, us ulfhartaich agus donnalaich oillteil a dheanamh. Dh’eirich na ciobairean orra, ’gan slachdadh leis na cromagan, thall sa bhos, ach cha d’ rinn so a’ chuis na b’fhearr, ach na bu mhiosa. Lean an tabhunnaich agus an deileann so gu deireadh na seirbhis. Bu truagh an caochladh! far am b’abhaist na ciadan sluaigh bhi tional gu aoradh do Dhia. D. B. B. AIR A LAN DHEABHADH:—Chan eil duine ’n diugh ag aicheadh nach leighis B. B. B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhidhean cho laidir ’s gu bheil B B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cungidhean leighis a’s fhearr. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni K D C do stamag fallain, ’s do dhion on cholera. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlau a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 97] [Vol. 1. No. 32. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 31, 1892. No. 32. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Bliadhna Mhath Ur do ar cairdean uile. Bha ’m barr gle anmoch ann san Eilean Sgiathanach am bliadhna, ach chinnich gach por gle mhath. Tha e air a radh gu bheil suil aig Priunnsa Wales tighinn gu Feill an t-shaoghil air an t-shamhradh s’a tighinn. Bha stoirm mhor air taobh a near Alba o chionn da sheachdain, a rinn call mor am measg shoithichean us bhatichean-iasgich. Re nan tri miosan a chaidh seachad thill suas ri ceud gu leth teaglach as na Staitean Quebec, ’s tha iad ag radh gu bheil tuilleadh ri tighinn nan deigh. Tha corr us coig ceud deug muilean dolair de dh’ainbhfhiach air na Staitean, no seachd dolair fhichead mu choinneamh gach duine, bean, us paisde tha ’san duthich. Bhrist meirlich a staigh do bhuth R. R. Moirestan, an Gabarus, an la roimhe, ’sa thuilleadh air roinn mhath de bhathar a ghoid, thug iad leotha da fhichead dolair de dh’airgiod. Chaidh corr us ceud mile barailte de dh’ubhlan a thogail ann an Gleann Annapolis air a bhliadhna so. Tha da fhichead mile barailte dhe so gun a dhol gu margadh fhathast. Bha Deorsa Perkins, tuathanach ann an Ontario, a leagail craoibhe sa choille, ’s nuair a bha i tuitean chaidh i ann an croich. Nuair a chaidh e ’ga fuasgladh, thuit i air a mhuin ’s mharbhadh e far an robh e. AIR A LAN DHEABHADH:—Chan eil duine ’n diugh ag aicheadh nach leighis B. B. B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhidhean cho laidir s gu bheil B. B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cuiridhean leighis a’s fhearr. Air an t-sheachdain s’a chaidh, thugadh dhachidh gus a Bhras D’Or Mhoir, corp Chaiptean Lachain Mac-an-Leigh. O chionn aireamh bhliadhnichean dh’fhalbh e fhein ’sa theaghlach do na Staitean. Mu thri miosan roimhe so, thanig e gu Springhill, far an robh e gus an d’thugadh air falbh e le bas ro-athghearr. Tha e air a radh gu robh Jay Geuld dhe’n bharail nach abradh daoine dad sam bith’ga dhiomoladh an deigh a bhais, ach ’se fhein a bha air a mhealladh. Cha mhor gu bheil paipear ’an America no ’san Roinn-Eorpa nach tug iomradh air aig an am a bhais, ’s cha robh iad a deanamh moladh coir sam bith air. Ma choisinn e corr us tri fichead muilean dolair re a bheatha, cha mhor chairdean a rinn e. Di-ciadain air an t-sheachdain s’a chaidh thugadh dhachidh as na Staitaan, corp nighean a mhuinntir Amhinn nan Ait-threabhadh, (River Inhabitants) da’m b’ainm Agnes Steele. Sgriobh i litir dh’ionnsidh a parantan air an t-sheachdain roimhe sin ag innse dhaibh gu robh roimhpe tighinn dhachidh a chuir seachad na Nollaig maille riu. An ath latha fhuair iad fios ag innse dhaibh gu robh i marbh, ’s gu robh a corp air an rathad dhachidh. Tha caraid a sgriobhadh thuginn a cearn iomallach de Cholumbia Bhreatunnach, ag innse mu chor fhein ’s mu chor na ducha. Am measg nithean eile air am bheil e toirt iomradh, tha e ’g innse gu’n deachidh ministeir Sasunnach a thoirt searmain dhaibh o chionn ghoirid. Bi an eaglis a bh’aige, lobhta tigh-oil, agus bha chuid bu mho dhe’n chothional air an leth-dhaorich. Chaidh e air adhart leis an t-seirbhis co-dhiu, gun dragh sam feith a chuir air gus ’n do thoisich e ri urnigh air son an teaghlich rioghail. Leigeadh leis urnigh a dheanamh air son na banrigh, ach nuair a thoisich e air guidhe as leth Priunnsa Wales, chuir an sluagh na aghidh ag radh nach do thoill am priunnsa bhi ’g urnigh ais a shon! Chan eisdeadh iad ris tuilleadh,’s mar sin chriochnich an t-sheirbhis. Bha duine air a mharbhadh, s coignear eile air an droch leon aig Meinnean Victoria Di-sathairne s’a chaidh. Nuair a bha na daoine dol gu’n obair mu sheachd uairean ’sa mhadinn, spreadh aon de na goileadairean le neart cho mor ’s gun robh obair-chlachaireachd air a reubadh as a cheile, clachan us maidean air an tilgeadh ceudan slat air falbh, agus seachd goileadairean mora eile air an cuir as an aite. Bha aon duine bochd, Deorsa Long; air a mharbhadh far an robh e, ’s dh’eug fear dhe na chaidh a leonadh, Domhnull Domhnullach an ath latha, ’s tha fear eile cho iosal ’s nach bi e beo thar latha no dha. Tha triuir eile air an leonadh gu dona, ach tha chol as orra gu’n tig iad bhuaithe. Cha do thachir sgiorradh cho cronail an aon de mheinnein an eilean so o chionn iomadh bliadhna. [TD 98] [Vol. 1 No. 32. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 31, 1892. A thuilleadh air na tha iad fhein a togail, tha muinntir Bhreatuinn gach bliadhna ’toirt dhachidh a duchannan eile fiach tri muilean gu leth punnd Sasunnach de dh’uibhean, fiach coig muilean de chaise, agus fiach aona muilean deug de dh’im. Tha bhliadhna ochd ceud deug ’s ceithir fichead ’sa dha dheug a criochnachadh, ’s bidh bliadhn’ eile na h-aite mus ruig so an aireamh as mo d’ar luchd-leubhidh. Tha MAC TALLA ’cur failte na Bliadhn’ Uire air a chairdean uile, ’s an dochas gu’m bi iad air an caomhnadh gu iomadh bliadhn’ ur eile fhaicinn. Tha meinneadairean Springhill an deigh a dhol gu’n obair. Thug fear-riaghlidh na meinne air ais an t-ordugh a thaobh lionadh nam bocsichean guail, ’s ghabh e air ais na daoine chuir e as an obair. Dh’aontich an luchd-oibreach, air an laimh eile, cordadh ur a dheanamh ri sealbhadairean na meinne, cordadh a riaricheas iad na’s fhearr na sin a bh’eatorra roimhe. Tha iad-san air an robh gainne ’ghuail a cuir iomgain, ro-thaingeil nach ruig iad e leas eagal a bhi orra roimh fhuachd a gheamhradh. Thaghail an soitheach smuid Harlaw aig Sidni Di-luai sa chaich air a tilleadh bho Newfoundland. Chuir droch shide maille mhor oirre air a turus. Bha ’n caiptean ag innse gu robh iasgach a sgadain gle mhath air cladaichean Newfoundland am bliadhna. Bha tri mile barailte de sgadan air bord na Harlaw, ’s d-fhag i da mhile barailte dhe sin aig ceasnichean Shidni-a Tunth. AIR SON ATAN:—A Dhaoin uaisle,—bha droch at air amhaich mo nighean bheag-sa, tri bliadhna dh’aois. Dh’fheuch mi Hagyard’s Yellow Oil agus an uine ghoirid; dh’fhalbh an t-at gu buileach. MRS. C. E. WENDOVER, Manda, Man. DO ’M MHATHAIR. AIR FONN.—Ho oh nighean, he o nighean. Ho gur toigh leam, he gur toigh leam, Ho gur toigh leam fios ’o m’ chairdean; ’S mor an toileachadh do m’ inntinn A bhi cluinntinn gur a slan iad. Thoir an t-soraidh so thar chuaintean Gu tir uaine nam beann arda, ’S fag air a Chladach-a-Tuath e, Ged nach ann a fhuair mi m’ arach. Ait as boidhche feasgar-samhraidh S grian air cul nam beann a tearnadh, Ach ’s e dh’fhag mi tur an geall air Gur a th’ann a tha mo mhathair. On tha bhliadhnas’ aig a deireadh, ’S Bliadhn’ Ur eile nise lamh ruinn. ’S coir gun sgriobh mi beagan fhacal Do ’n te dh’altrum mi nam phaisde. Cha ’n eil ceol an diugh no beadradh Anns an nead ’s an deach ar n’ arach; S nuair a ghabh na h-eoin an iteag, Thug e ’misneachd ’o na mhathair. Anns an tim tha tighinn am chuimhne Gheibhte cruinn mu ’n aona chlar sinn,— Cuid an diugh dh’inn fad ’o ’r daoine, ’S fear mo ghaoil na laidhe samhach. ’S ged nach faod sinn a bhi tuilleadh Re ar turuis mar a bha sinn, Coinnichidh sinn ma bhios sinn ullaicht’, ’S mi sinn tuinneadh far an fhearr dhuinn. An diugh guidheam dhuibh le durachd A bhliadhna ur a thighinn le lanachd, Bheanachdan a bhios mar dhriuchda A toirt urachadh ’us slainte. Ho gur toigh leam, ho gur toigh leam, Ho gur toigh leam fios ro m’ chairdean, ’S mor an coiteachadh do m’ inntinn A bhl cluinntinn gur a slan iad. C. C. Strath-Alba, Dec. 24mh, 1892. GRAIN GOBHA NA EARRADH. Tha na Dain agus na h-Orain a rinneadh le Iain MacGille-Mhoire, Gabhainn Mor na h-Earradh, los a bhi air an clo-bhual ach ann an Dun-Eidin. Tha fior bhardachd agus fior dhiadhaidheachd anns na Dain so: agus bhiodh e ro fheumail gum biodh fear de na leabhranaibh so anns gach teaglach a leughas agus a thuigeas Gailig. Maille ris na h-oranaibh bidh cuibhrinnean a cuid de a litrichibh air an clo bhualadh. ULLICH AIR SON CHOLERA:—’Se glainne, curam, agus misneach na nithean a’s fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. Gabh Burdock Blood Bitters air son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuil Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh, thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 99] [Vol. 1. No. 32. p. 3] TURUS FEACHAIREACHD. Ann am baile beag an siorramachd Pheart, bha gabhail tamh Uilleam Tuairnear. Bi ’n t-shaoirsneachd bu cheaird dha, agus b’abhist da bhi deanamh chisteachan-laidhe nuair a bhiodh feum orra. Bu duine onarach teom’ e, air nach cuireadh obair gruaman sam bith. Thachir air aon mhadinn gu’n deachidh nabuidh dha a null gu taigh Dhaibhidh Ghrannd agus gu’n d’fhuair e ’n duine coir sin a caoidh bo a thachd i fein ag ith adh bun-tata re na h-oidhche. Bha Daibhidh na shealbhadair air beagan acairean fearinn faisg air a bhaile, ’s bha daoine dhe’n bharail gu robh sporan math airgid aige, agus ged nach robh aige ri chumail suas ach e fein us Seonaid a bhean, gidheadh bha call na boin a cuir dragh mor air. An deigh do’n fhear eile eisdeachd ti tuireadh Dhaibhidh thog e air dhachidh, ach air an rathad smaoinich e gu’m faodadh e spors mor a dheanamh mu’n mhi-fhortan a thaing air Daibhidh. Be Latha na Feachaireachd a bh’ann agus bhiodh e lan riarichte na’m b’ urrinn dha innleachd a dheanamh air Uileam Tuairnear a chuir a null gu taigh Dhaibhidh leis an deile air am biodhte a sineadh nam marbh, a toirt a chreidsinn air gum b’i Seonaid a bha marbh ’s nach bi bho. Cha bu luaithe smaoinich e air na chuir e roimhe gu’m toireadh e an oidheirp, agus cho luath sa tanig e ’m baile chaidh e do’n taigh bheag ann sam biodh Uileam ri saoirsneachd. “Seadh, Uilleam, gu de tha thu cur ris an diugh?” ars esan ’se dol a steach. “Cha mhor sin,” ars Uileam, “tha mi deanamh caithir do’n ghille bheag aig Alasdir Mac Ghriogair.” “Feumidh tu sin a chuir bhuat an drasda, ma ta, agus do lamh a chuir ri obair air air am bheil cabhag, ach nach taitinn riut idir, ma’s math mo bharail sa.” “Gu dearbh, bi’n obair neonach i, mur a cord i ri duine na’s fhearr na bhi na thamh. Innis dhuinn gu de th’ ann, a dhuine.” “Ma ta, tog leat do dheile ’s rach a null gu taigh Dhaibhidh Ghrannd. Thanig call mor air an duine bhochd. O! chan eile am bas na thamh! Chan eil idir!” “Gu de,” ars Uileam, “am bheil Seonaid marbh?” agus gun feitheamh ri freagirt, chaidh e air adhart, “Gu de thanig rithe; de thug a bas?” “Thachd i i fhein” ars am fear eile. “Gu sealladh am freasdal oirnn, nach eil sin anabarrach. Bi’dh Daibhidh ’ga h-ionndrain gu mor, oir bu bhorionnach seahdadh i. Ach cha dean math dhomh a bhi bruidhinn an so; falbhidh mi null air a mhionaid,” agus thilg e ’n t-ord as a laimh, ’s ghreas e air do’n taigh, ghabh e greim bidh ’s chuir e aodach-searmoin uime. Bu choir dhomh innse roimhe so nach robh Uilleam posda, ach gu robh e fhein ’sa mhathair a fuireach ann an taigh beag a mach air an taigh anns an biodh e ag obair. An deigh dha e fein a chuir an uidheam dh’fhalbh e air a thurus gu taigh Dhaibhidh Ghrannd, leis an deile air a ghuallinn ’s gun smaoin na chridhe gu robh e falbh air turus feachaire nas mo na bh’aig an duine tha ’sa ghealich. Nuair a ranig e’n taigh chuir e ’n deile na sheasamh aig cul an doruis, chaidh e staigh ’s fhuair e Daibhidh a gabhail toit as a phiob. “Ciamar tha sibh an diugh, a Dhaibhidh,” ars Uilleam, se dol a stigh. “Direach meadhonach, Uilleam, gle mheadhonach; dean suidhe ’s leig d’anail.” “Tha mi fior dhuilich air do shon,” ars Uileam, an deigh dha suidhe. “’S mor an ionndrain a bhios agad oirre, tha mi cinnteach.” “Thanig e gle chruaidh orm gu dearbh” arsa Daibhidh, “ach feumidh mi cuir suas leis: tha fhios agad gu bheil e air aithne dhuinn ar ’n uile dheuchinnean a ghiulain le foighidin.” “Tha e cuir aoibhneas mor orm gu bheil thu sealltuin air a chuis mar sin,” ars Uilleam, oir bha eagal orm gu’n laidheadh a bhuille gle throm ort.” “Hut, Uilleam, na biodh eagal sam bith ort ga’m thaobh sa. Tha chuis dona gu leor, ach dh’fhaodh i bhi na bu mhiosa, ’s chan eil mi dol a bhristeadh mo chridhe idir. Feumidh mi suil a thoirt mu’n cuairt agus te eile fhaighinn, oir cha dean mi ro mhath as aonais te.” “Tha sin fior gu leor, a Dhaibhidh, ach cha bhi cabhag sam bith ort an drasda. Tha uine gu leor air son te fhaotinn.” “Oh, chan eil fhios ’am,” arsa Daibhidh. “Se mo bheachd sa gur h-ann mar as luaithe ’s fhearr. Chan eil mi faicinn feum sam bith ann a bhi cuir uine seachad. Ma dh’innseas mi ’n fhirinn, tha sul agam air te cheana, ach tha eagal orm gu bheil i tuilleadh us sean.” Cha robh mi ’n duil gu robh iad cho furasda sin ri ’m faotinn,” ars Uilleam. “Hud, a dhuine, ma bhios sporan lan agad, gheibh thu do roghainn dhiu. Ach bidh mi car faiceallach an am a bhi taghadh te. Ma gheibh thu te a bhios ro shean, chan fhaigh thu feum sam bith dhi, ’s chan i te ro og as fhearr, bi ’n uine cho fada mus tig i gu feum, agus mar sin gabhidh mise m’ uine s gheibh mi te mhath,—gun a bhi ro shean na ro og.” (Ri leantuinn.) Tha’n t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S. a sgirobhadh:—An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine gho mitha irid cinnteach gur cungidh-leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail. DEAGH THAIRGSE. Tha’n “Scottish Canadian” air a chuir a mach ann an Toronto, uair ’san t-sheachdain, tha fichead taobh duilleig ann, ’s tha e toirt naidheachdan na h-Alba uile gach seachdain. ’S fhiach e dolar gu leth ’sa bhliadhna. Gheibh neach sam bith a chuireas thuginn dolar gu leth, an “Scottish Canadian” us MAC-TALLA fad bliadhna, agus mar an ceudna leabhar beag de dh’ Orain Albannach. Ma tha toil agad a bhi gabhal an da phaipeir, so an t-am. Sgriobh gu J. G. McKinnon Sydney, C.B. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, chug, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 100] [Vol. 1. No. 32. p. 4] FOGRADH NAN GAIDHEAL. XV. CATAOBH. Bha Padruig Sellar ’na chulaidh-ghrain do’n t-sluagh leis an obair uamhasaich a bha e a deanamh. Nuair a thigeadh e a dh-ionnsuidh baile sam bith, bhiodh an sluagh air chrith leis an eagal, agus a’ teicheadh as an rathad, mar na luchaidh roimh ’n chat; bhiodh na mnathan a’ dol nam boile ’s ’nam breislich, agus chaill aon bhean a ciall cho mor ’s nach d’thanig i gu toinisg an deigh sin. Nuair a chitheadh i duine sam bith air nach robh i eolach, ghlaodhadh i a mach le sgread eagallach, “O! sin Sellar! sin Sellar!” Chuireadh mu dheireadh casaid air Sellar a dh-ionnsuidh na Ban-Iarla, agus thugadh gu cuirt e ann an Inbhir-Nis, air beulaobh nam Morairean Dearga air a’ bhliadhna 1816. Ach cha d’rinneadh ni air an rathad peanais. Cha deachaidh moran ’s an cheathramh cuid de na fianuisibh a ghairm agus iad sin fhein an fheadhainn aig am bu lugha bha ri radhainn ’na aghaidh. Bha an luchd deuchainn (the jury) air an deanamh suas de thuathanaich mhora chaorach, de luchd-lagha, agus de luchd fearainn. Bha na fianuisean air an ceasnachadh ann an Gailig; agus chan eil fianuis eadar-theangaichte idir cho laidir, no cho eifeachdach, ri fianuis dhirich ann an cainnt na Cuirte, gu h-araid ma bhitheas an t-eadar-theangair mi-thuigseach no mi-onorach, agus nach eadar-theangaich e gu ceart agus gu h-iomchuidh. B’e deireadh na cuise gun deachaidh Sellar a shaoraah: oir cha d’fhuair na deuchainnnearan ciontach e. Ach ged nach d’fhuair a’ chuirt ciontach e bha e cointach ann am beachd agus ann an suilibh an t-sluaigh. Oir gus an latha an diugh tha an t-ainm aige a’ lobhadh ann an Cataobh, agus chan e mhain sin, ach tha seann mhuinntir ann an Abhainn Bharnaidh a thainig a Cataobh d’am bheil an t-ainm aige fhathast ’na ghrain agus na uamhas. Tha seann bhoirionnaich aig Abhainn Bharnaidh, a ni dansadh le mire-chatha agus le cridhealas, a’ seinn luinneig-aidheir aoiridh no orain-cainidh a rinneadh air Sellar ann an Cataobh. Shaoileadh tu gum buaileadh na cinn aca na sparran, no cliath mhullaich an taighe, leis an leumartaich agus na surdagan a bhios iad a’ gearradh air an urlar; agus iad a’ seinn mar smeoraichean feadh nam preas air maduinn cheitein. Ho ’n ceard dubh! He n ceard dubh! Ho ’n ceard dubh dhaor am fearann. Chunnaic mise bruadar, S cha b’fhuathach leam fhaicinn fhathast; Nam faicinn e ’nam dhusgadh Bu shugradh dhomh ri m’ latha. Ho ’n ceard &c. Teine mor an ordugh Us Roy ann na theis meadhoin Young bhi ann am priosan ’S an t-iarann mu chnaimhean Shellar. Ho’n ceard &c. Rugadh seanmhair nam boirionnach so air a’ bhliadhna 1733 deich bliadhna roimh linn blar Chuil-fhodair. Bha e ’na fhorsair fhiadh aig an t-seann Iarla Chatach, Iarla Uilleam. Cha do chuir e briogais riabh air a shleisdnibh. Chuireadh an taigh aige ri theine, agus bha tuasaid aig a theaghlach ris na maoir. Reub a nighean, Sine mhor, sumannadh an t-siorraimh le a fiaclan. Bha caileag aice d’am b’ainm Sine bheag agus nuair a chunnaic brathair a mathar, Alastair am fidhlear, bata chonstapuill a’ tuiteam air ceann na caileige, aois sia bliadhna diag, leum e staigh agus fhuair e am buille air mullach a chinn agus bha cnuachd air a’ chlaigeann riabh tuilleadh fad laithean a bheatha. An deigh sin, chuireadh an seann duine, Iain Sutharlan, am priosan an Dornoch ach thug a Bhan-Iarla mach e, gidheadh b’eigin da an duthaich fhagail agus dol gu America-Thainig e gu Abhainn Bharnaidh am Pictou far an robh e beo gus an do rainig e aois ciad bliadhna agus coig. Se n t-ainm fo’n robh e aithnichte san duthaich so, “Bodach an fheilidh” no Iain Sutharlan an fheilidh. Fhuair e ’m bas air a’ bhliadhna 1840. D. B. B. Tha side gle reota aca ann an Ontario ’san Quebec. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni K D C do stamag fallain, ’s do dhion on cholera. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 101] [Vol. 1. No. 33. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARIDH 7, 1893. No. 33. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNAICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Ann an Kentucky aon la air an t-sheachdain sa chaidh, thugadh duine dubh a bhatar a toirt dha’n phriosan bho na maoir, ’s chaidh a chrochadh ri craoibh ’sa chorp a dheanamh na chriathar leis na peileirean. Chan eil an so ach sgeul a tha tighinn gle thric as an duthich sin. Tha soitheach-seolich Geancack air a glacadh aig St. Pierre air son an caiptean ’san sgioba ’bha toirt airgiod meallta do na ceannichean air son an cuid bathair. Chuir iad air an doigh sin call mor air muinntir a bhaile Fhrangich, ach fhuaras a mach an innleachdan an deagh am, ’s rinneadh greim orra. Chaidh duin og a mhuinntir Thoronto a’m b’ainm Spiley a mharbhadh le peileir gunna ann an Chicago, oidhche Dior-daoin air an t-sheachdain s’a chaidh. A reir coltais ’sann ri meirle bha e ’nuair a loisgeadh air. Tha ’mhathair a fuireach an Toronto agus bha duil aice ris dhachidh mu latha na bliadhn’ uire. An aite sin ’se fhuair i sgeula bronach a bhais. Bha Frank Brown, tuathanach an New Brunswick ann sa choille an la roimhe a gearradh chraobh. Thuit an tuagh as a laimh’s ghearr i da mhiar glan dhe chois, s cha mhor nach tug i leatha na tri eile. An deigh sin, choisich e dhachidh gu stolda ’san da mhiar aige na dhorn mar gu’n robh eagal air gum biodhte diumbach dhe nan cailleadh e iad. Nuair a bha ’m bata-smuid Stanley air a turus bha Charlottetown gu Pictou Di-sathairne s’a chaidh fhuair i soitheach-seolidh, fada bho thir, ’si air a cuartachadh le deigh. Bha ’n sgioba gun bhiadh gun amhlan, ’s cha robh sradag thein’ aca air bord. Bha ’n t shide aig a cheart am gle reota. Bha ’n soitheach da’m b’ainm an Reul Mhaidne air a tarruing gu Pictou, far an d’fhuair na daoine bochda bh’air bord biadh us blaths gu leor. Tha Samuel Clarke, Scotstown, Quebec a sgriobhadh. “Feumidh mi radh gu’n d’fhuair mi K. D. C. na leigheas math air droch-stamaig. Fhuair mo bhean feum mor dheth, agus molidh mi e do mhuinntir eile. Tha fios a Boulogne ag innse naidheachd neonach mu shaighdear Frangach a bha air a ghlacadh ann an cogadh 1870 leis na Gearmailtich. Thug e iomadh ionnsidh air teicheadh uaithe sin, ach bhatar a breth air a h uile turus sa toirt tuilleadh dhe’n phriosan dha. O chionn beagan laithean leigeadh ma sgaoil e an deigh a bhi na phriosanach fad da bhliadhn’ ’ar fhichead. Thanig e gu Boulogne far am b’ abhist dha bhi deanamh a dhachidh ’s fhuair e an sin gu robh a bhean an deigh fear eile phosadh, ’s teaghlach mor aca. Ged a fhuair na croitearan Gaidhealach mal an fhearinn isleachadh, agus ged nach eil iad idir cho mor an eiseameil nan uachdaran sa bha iad bliadhnichean roimhe so, gidheadh tha iad ag iarridh tuilleadh ceartis agus gheibh iad sin luath no mall. Tha na mirean fearinn air am bheil iad a comhnuidh cho beag ’s cho neo-thorach ’s nach eil e comasach dhaibh beolaind cheart a dheanamh orra. Tha aig a cheart am miltean de dh’ acairean fearinn fo chaorich ’s fo fheidh air am faodadh tuath barr agus spreidh gu leor a thogail, ach gus a so chan fhaigheadh iad leud am broige dhe’n fhearann sin, agus chan eil lagh san rioghachd a cho eignicheas na h-uachdarain gus a thoirt dhaibh. Ach an drasda tha Ard-Chomhairle air a chuir a mach le ughdaras na ban-righ air son fhaicinn gu de na tha de dh’fhearann math tuathanachis fo chaorich ’s fo fheidh air a Ghaidhealtachd. Nuair a gheibh daoin-uaisle na Comhairle gach fiosrachadh a’s urrinn dhaibh, bheir iad am barail do’n pharlamaid, ’s ma chithear an sin gu bheil tuilleadh ’san coir fhein fo na caorich no fo na feidh, bi’dh lagh ur air a dheanamh leis am bi am fearann a tha fopa air a roinn na ghabhalichean, s’ air a chuir fo thuath. Tha dochas math aig na cuspearan gu’m bi an lagh so air a dheanamh ri linn na h-Ard-Chomhairle. Tha Breatuinn a reir coltais a dusgadh gu bhi faicinn an ana-ceartais fo’m bheil iad a fulang, ’s ma dh’fhaoidte gu fanadh i na duisg gus am bi ’n t-ana-ceartas sin air a sguabadh gu buileach air falbh. [TD 102] [Vol. 1. No. 33. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IANUARIDH 7, 1893. Tha’n cholera a togail a cinn a rithist. Bhasich dithis no triuir leatha ann an Gravelines, sa Fhring air an t seachdain s’a chaidh, agus bha duine no dha air a bhualadh leatha as ur. Ann a Hamburg, o chionn ghoirid, bha ochd deug thar fhichead ann san ospadal, tinn leis a ghalair cheudna. Mur cuirear as dhi fhad sa tha fuachd ann, faodidh sul a bhi aginn ri a faicinn a deanamh sgrios mor, chan ann a mhain san Roinn Eorpa, ach mar an ceudna ann an America, nuair a thig blaths an t-shamhridh. Bha an t-Onarach Uilleam E. Gladstone, Priomh Mhinisteir Bhreatuinn, ceithir fichead bliadhna ’sa tri a dh-aois air an 29mh la dhe’n mhios s’a chaidh seachad. Air an latha sin, chuir a bhan-righ agus moran dhe a cuid iochdran fiosan da ionnsidh a cur failt air, ’sa deanamh comh-ghairdeachas maille ris. Tha Mr. Gladstone aig an am so air tir mor na Roinn-Eorpa air son a shlainte, agus tha e dol na’s treise gach latha. ’Sann gle ainneamh an eachdridh an t-shaoghil a chunnacas duine cho sean a gabhail air fhein a bhi riaghladh rioghachd. Ach chan e mhain gu bheil Gladstone a gabhail as laimh a bhi stiuireadh na rioghachd is mo agus is cumhachdiche air uachdar an domhain, ach bhiodh e gle mhi-thoilichte ’n drasda nan rachadh an stiuir a thoirt as a laimh. Tha e meas gur fhearr na laimh fhein i na an laimh fir sam bith eile. Chaidh fear Iain Richardson a mhuinntir Windsor a reothadh gu bas air an t sraid oidhche Nollaig. Bha’n daolach air aig an ann. FAILTE NA BLIADHN’ UIRE. A MHIC-TALLA RUNICH; Tha sinn leis gach deagh dhurachd a cur failte ort fhein agus air do luchd-leughidh anns gach cearna d’an duthich, BLIADHNA MHATH UR dhuibh, us gu leor dhiubh! Tha dorchadas air laidhe air an t-seann bhliadhna, ’s i air seoladh gu ionad na dischuimhne, agus a ghrian air eirigh gu boisgeil air bliadhn’ uir. Tha mi an dochas gu bheil sibh uile gabhail pairt ann an toil-inntinn, gleadhraich, agus cridhealas na Nollaig agus na Callainne. Buinidh e dhuinn a bhi guidhe soirbheachadh math d’a cheile air a bhliadhna so air am bheil sinn a nis air inntreachadh. Is ann mar so a mhain, agus air reir ’s mar a chaithear i, le bhi seachnadh an uilc agus a deanamh a mhath, a bhios i dhuinn da-rireadh na Bliadhna Mhath Ur. Co-dhuinidh mi le bhi cur sios beagan rann a rinneadh uair-eigin do’u Bhliadhn’ Uir:— Bliadhn’ eile theich air meadhon oi’ch Ghluais uainn gun fhuaim gun ghlaodh; ’Na h-aonar dol gu sior uidheachd, Mar thaibhs gu cuan gun ghaoith. A math ’san t-olc ’chaidh chur an gniomh, Leath’ ’n teid iad sios nan deann? Cha teid, ach ruithidh o bhliadhn gu bliadhn, Mar shruth o ghleann gu gleann. Ri math, ’s chan ann ri olc, their thu, Bliadhna Mhath, Ur! Us smuainich fein us roghnich fein, Co riaghilt dhuit a’s fhearr; ’Bhi deanamh math areir do threis, No triall air slighe chearr. Tilg naimhdeas uat m’an abuich e, ’S m’am fas e dhuit mar lon, Ach mar ghath grein’ air linne dhuirch’ Bi thusa ’n tigh a bhroin, Us abair ris a mhuinntir chiuirrt’, Bliadhna Mhath, Ur! Droch chleachdinn tilg gu buileach uat, Us mi-run fag ad dheigh; Gleidh math ad ghlaic ach O, an t-olc Fag leis a bhliadhna ’threig. Rach sios troimh amannibh a dh’fhalbh, Mar troimh ghleann dorch nan craobh, Thoir as gach eiseimpleir a’s fhearr, Us gleidh iad dluth ri d’ thaobh. S mar sin rid chridhe fein their thu— Bliadhna Mhath, Ur! Is mise, An Gille Dubh. CEANN-GOIRT—O chionn tri miosan bha mi teann air a dhol gorach le ceann goirt. Thoisich mi air gabhail B. B. B. agus an deigh dhomh da bhotull ol chuibhtich an goriteas mi gu buileach. Is leigheas iongatach e. LETTICE CODES, Londesboro, Ont. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 103] [Vol. 1. No. 33. p. 3] TURUS FEACHAIREACHD. Mu’n do sguir Daibhidh a bhruidhinn, bha Uilleam ag amharc air cho geur ’s gun saoileadh tu gu’n leumadh a dha shul as a cheann. “Ma ta, a Dhaibhidh, tha ioghnadh mor orm do leithid fhein de dhuine ’chluinntinn a bruidhinn air an doigh sin. Shaolinn gu’m faodadh tu an te a tha marbh a chuir fo’n uir, mu’n toireadh tu iomradh air te eile chuir na h-aite.” “Chan eil mi faicinn gu’n deanadh sin muthadh mor sam bith,”arsa Daibhidh. “Co-dhiu, bha duil agam a dhol a nach an deigh mo dhinnearach, ’s toll a chladhach air cul an t-shabhail gus a cuir ann. Chan fhaigh mi creic oirre ’n drasda, tha daoine cho cruaidh.” “A Dhaibhidh Ghrannd!” ’ars Uilleam, “nach nar ’s nach maslach, dhuit fhein a bhi bruidhinn mar sin, thusa tha ’nad eildeir san eaglis! Gu dearbh, b’e sin an t-eildeir! Ach cha leig mi leis a chuis a bhi mar so na’s fhaide. Theid mi null far am bheil am ministeir, agus innsidh mi dha gach ni, facal air an fhacal. Tha lan am aige fhaotinn a nach de’n seors’ eildeirean a th’ aige,” agus le sin ghabh e mach air an dorus. Cha robh tigh a mhinisteir thar da cheud slat bho thigh Dhaibhidh, ’s mar sin cha tug Uilleam gle fhad air an rathad. Chunnic am ministeir e tighinn agus choinnich e aig an dorus e, “Seadh, Uilleam gu de tha cuir ort? Feumidh gu bheil rud-eigin cearr, nuair a tha thu ann an cabhag cho mor.” “Gu dearbh, sibhse dh’fhaodadh sin a radh,” ars Uilleam; “tha rud-eigin cearr, agus gle chearr! B’fhearr leam gu’n rachadh sibh a null far am bheil Daibhidh Grannd, oir se mo bharail gu bheil e air a dhol as a rian.” “Gu de tha thug radh?” ars am ministeir. “Gu de thanig ri Daibhidh?” “Ma ta, le’r cead, tha Seonaid a bhean marbh. Thachd i i fein re na h-oidhche, agus thanig fios thugamsa, ’dhol a null leis an deile. Rinn mi sin, ach an aite Daibhidh a bhi tuireadh air son a mhna, ’s ann a thuirt e rium gu robh e’n duil te eile fhaotinn cho luath sa b’urrinn dha, ’s chan e sin a mhain, ach gu robh sul aig air te cheana. Agus nuair a thuirt mise ris gu’n bu choir dha an te bha marbh a chuir fo’n fhod an toiseach, ’sann a thuirt e gu robh e dol ’ga cuir ann an toll air cul an t-shabhail, se sin mur faigheadh e a creic. Ach tha ’n duine as a chiall, ma’s math mo bharail-se.” “Bean Dhaibhidh marbh!” ars am ministeir. Nach neonach nach cuala mi mu dheibhinn a bais ’s-i bhi cho faisg air laimh. Ach stad beag ort; gheibh mi m’ ad ’s theid mi null comhla riut.” Nuair a ranig iad fhuair iad Daibhidh a spaisdearachd air an urlar, gun fhios aige de dheanadh e dhe’n dol-air-adhart a bh’air Uilleam. “Tha mi fior dhuilich air do shon,” ars am ministeir, “agus bha e cuir mor iongatas orm nach do chuir thu fios orm. Saoil nach deaninn beagan cuideachidh leat ’nad thrioblaid. Chan eil mi buidheach dhiot idir nach do chuir thu ’gam iarridh.” “Chan eil mi tuigsinn,” arsa Daibhidh, “co air a tha sibh a bruidhinn.” “Cha mhor feum a dheanadh sibh dhomh, ged chuirinn ga’r ’n iarridh. ’Sann ormsa bhios an call co-dhiu, ’s cha robh romham trioblaid inntinn sam bith a ghabhail dheth.” “An deigh na thanig as do bheul an drasda,” ars am ministeir, “tha mi faicinn nach eil feum sam bith a bhi reusanachadh riut; agus tha mi ro dhuilich gu bheil do leithid na bhall d’an eaglis agam; ’s chan e mhain sin ach na eildeir; duine gun bheus gun mhath mar a tha thusa; ach theid mise ’n urras nach fhada bhios gnothuichean mar sin; gairmidh mise coinneamh cothionail ’s theid do chuir air cul eaglis. Cha bhi thu na’s fhaide ’nad eildeir agamsa!” Faodidh sibh a Chleir a thoirt cruinn ma thogras sibh,” arsa Daibhidh ’sa nadar ag eirigh, “tha mise gle choma co-dhiu, ach ’s fhada mas gairmeadh sibh aona chuid coinneamh Cleire no cothionail air son te eile fhaighinn dhomhsa, ’s chan eil mi’m barail ged a ghairmeadh, gur mor a b’ fheairde mi e.” “Chan fhan mise san tigh so na’s fhaide gu bhi faighinn taire mar so,” ars am ministeir ’se toirt an doruis air, ach chuir Uilleam stad air. “Hud, ud, a dhuine!” ars esan, “cha dean math dhuibh an tigh fhagail mar so! Mur dean an seann phaganach so a dhleasanas feumidh cuid-eigin eile ’dheanamh air a shon. Bi’dh mise falbh an drasda ’s gheibh mi nabuidh no dha gus mo chuideachadh a sineadh a chuirp air an deile. Ged a tha esan mar a tha e, feumair ise tha marbh adhlacadh air doigh cho rianail ’s cho Criosdail sa’s urrinn dhuinn. (Re leantuinn.) Ann sna bliadhnichean a dh’fhalbh b’abhist do dhaoine bhi ’gearain air fuachd us cruas nan geamhridhean, ach ’sna bliadhnichean so sann a bhios iad a gearain air blaths ’s air briaghad na h-aimsir. Feumidh an gearain a bhi ann co-dhiu! NA’S FHEARR NA CACH UILE.—Tha aon leigheas ann na’s fhearr na cach uile air son casadich, tuchadh, cuing, amhach ghoirt, ’san leithide sin. ’Se ’n leigheas sin Dr. Woods Norway Pine Syrup, a tha deanamh feum mor ma’n am so ’n bhliadhna. Tha’n “Scottish Canadian” air a chuir a mach ann an Toronto, uair ’san t-sheachdain, tha fichead taobh duilleig ann, ’s tha e toirt naidheachdan na h-Alba uile gach seachdain. ’S fhiach e dolar gu leth ’sa bhliadhna. Gheibh neach sam bith a chuireas thuginn dolar gu leth, an “Scottish Canadian” us MAC-TALLA fad bliadhna, agus mar an ceudna leabhar beag de dh’ Orain Albannach. Ma tha toil agad a bhi gabhail an da phaipeir, so an t-am. Sgriobh gu J. G. McKINNON, Sydney, C. B. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 104] [Vol. 1. No. 33. p. 4] FOGRADH NAN GAIDHEAL. XVI. CATAOBH. Nuair a thugadh Padruig Sellar air beulaobh nam Morairean b’iad so na nithean a chuireadh as a leth mar chionta. 1. Cur a mach teine, le losgadh taigh duine bhochd, maille ri shabhal, agus taighean eile, a bha ’na aobhar air trioblaid agus bas a thoirt air. 2. Leagail agus cur as a cheil muilinn, far am bidh an tuath a’ bleith an cuid mine. 3. Cur teine ris an fhraoch roimh an am, ni a bha ’na chall da ’n tuath, le bhi milleadh nan nithean air am biodh an spreidh a’ beathachadh san earrach. 4. Leagail thaighean anns an robh seann mhuinntir bhreoite air an leabaidh; ni a chuir am beatha ann an cunnart, agus a thaobh dream araidh a rinn an laithean a ghiorrachadh. 5. Leagail sios agus cur as a cheile Shaibhlean, thaighean chaorach, agus athannan far am biodh an tuath a’ cruadhachadh an sil air son mine. 6. Moran de choireannaibh eile na bu lugha. Ann an litir a sgriobh an Siorramh Raibeard MacKid a dh’ionnsuidh Morair Stafford, ag innseadh mar a b’eigin da Padruig Sellar a ghlacadh agus a thoirt gu cuirt, tha e ag radh, “Is ainmig a bha duthaich sam bith riabh air a maslachadh le eucoirean bu lionmhoire, agus a b’ uamhasaiche, a rinneadh le aon duine; agus is ainmic a bha cuirtean na h-Alba an salachadh le ’n leithid sin.” Ged a fhuair Sellar as bho’n chuirt gun a bhi air a dhiteadh, gidheadh thug a bhan-Iarla cead da fhein agus do Mhr. Young, air chor as nach robh iad tuilleadh nam Fir-ghnothaich, no nam Factoran aice. Ghairm i an sin air Mr Loch, Fear-Parlamaid air son nan saor-bhailtean Tuathach, gu bhi ’na Ard-fhear-gnothuich, agus maille ris-san bha Mr. Suttar, mar fhear-cobhair fo a laimh. Ach mo thruaighe! cha robh an t-atharrachadh so chum feum no saorsa do na Cataich bhochd. Cha robh e dhaibh ach mar as a’ ghriosaich da’n amhuinn theintich. Oir lean na Factoran ura air obair an Di-larachaidh, ann an cas-cheumaibh Shellair agus Mhr. Young. Chuir iad a mach luchd-losgaidh le leusan teine agus chi teadh tri chiad taigh ’nan lasraichean aig an aon am. Chuireadh moran de’n tuath bheag a nach as an taighean air a’ bhliadhna 1819 agus air a’ bhliadhna 1829. B’ ann mu ’n am so a chuireadh air falbh Iain Sutharlan, an fheilidh, a thainig gu Abhainn Bharnaidh ann am Pictou. Thainig e fhein, agus da mhac, maille ri triuir nighean, a nall air a’ bhliadhna sin. Bha Aonghas Mac Aoidh, a bha ’na eildear aig Abhhainn Bharnaidh, posda ri Muireall, an nighean a b’oige aig Bodach an fheilidh. Thainig e a Sgireachd Chline far an robh Mr Bhaltair Ross ’na mhinistear. Is minic a chualas e ag aithris sgialachdan abhachdach mu thimchioll a’ mhinisteir so a bha na bu deidheile air spors na bha e air searmonachadh. Aig amannan araid an deigh na searmoin bheireadh e fios-rabhaidh do’n t-sluagh, ag radh. “Ma bhios an latha maireach fliuch bidh coinneamh urnuigh againn anns an Eaglais: ach ma bhios o tioram bidh sinn a’ ruith ’s a’ ruagadh an t-sionnaich.” Cha robh ach ministearan meadhonach, cuibheasach, anns an fheadhainn a bha am Patron a’ foirneadh agus a’ sparradh a stigh a dh’aindeoin air an t-sluagh ann an Cataobh. Uime sin cha d’ rinn iad moran feum do’n phobull. An Sionnach mor ruadh a bu choir dhaibh a bhi a’ ruith ’s a’ ruagadh, bha iad a’ leigeil leis a bhi a’ milleadh agus a’ reubadh an treud. D. B. B. CUM FAISG AIR LAIMH E.—Tha botull de Hagyard’s Yellow Oil agam daonnan air son gearridhean us bruthidhean. Tha muinntir an taighe ’ga chleachdadh, cha mhor air son a h-uile eucail. Tha fhios’am gur leigheas math e. Bha teine ann an Charlottetown air an t-sheachdain s’a chaidh a loisg fiach ceud mile dolair de thaighean. Chaidh aireamh dhe na taighean-ceannachd bu bhriagha sa bhaile ’losgadh gu lar. Far nach bi cion-cnamhidh bidh cha bhi cholera. Glani h K D C do stamag air chor ’s nach dearg cholera ort. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [Nos. 34, 35 a dhìth] [TD 105] [Vol. 1. No. 36. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARIDH 28, 1893. No. 36. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chaidh gle theann air fiach seachd fichead muilean dolair a chall leis an teine ann sna staitean ’s an Canada air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh. Tha da mhile de luchd-imrich a tigh’nn gu Manitoba a Iceland air an t-samhradh s’a tighinn. Tha iad nan daoine rianail, sitheil, gle mhath gu obair, agus chan eil teagamh nach dean iad gu math ann am Manitoba. Chaidh dithis dhaoin’ fheuchinn aig Fredricton, N, B., air an t-seachdain s’a chaidh air son tighinn ri beatha fear Fred Titus. Chaidh an cur le cheile gu Dorchester far am bi iad air an cumail gu ceann da bhliadhna. Tha Seanalair Booth, ceannard Feachd na Slainte (Salvation Army) an drasd am Montreal. Tha e air a radh gu bheil e dol a chuir air doigh taigh mor air son fasgath a thoirt do bhochdan a bhaile sin. Chan urrinn gu bheil muinntir Mhontreal a deanamh an dleasanis ro mhath ’nuair a dh’ fheumas Booth a bhi gabhail curam dhe’n cuid bhochdan. O chionn tri bliadhna bha Caiptean Bonnell an St. John, N. B., a dol seachad air taigh Dotair Walker ann an carbad. Ruith cu an dotair a mach, chuir e eagal air an each ’s thuit an caiptean as a charbad. Chaidh beagan leonidh a dheanamh air, ’s thug e ’n dotair gu cuirt air a shon. Bha ’n cas a dol air adhart bho am gu am riabh bhuaithe sin, gus an la roimhe nuair a b’ fheudar do’n dotair ochd mile dolair a shineadh a null do’n chaiptean. ’Se Iarla Abaraidhean a tha gu bhi na Ard-riaghladair air Canada an deigh Morair Stanley. Bha e tamhachd ann an Canada beagan uine roimhe, ’s chord an duthich gu math ris. Chan mhor gu bheil duine m Breatuinn air am bheil muinntir Chanada cho measail s’a tha iad air Iarla Abaraidhean, ’s bheir a thighinn ’nam measg mar ard-riaghaladair riarachadh do na h-uile. Bha bruidhinn aon uair air gum biodh Morair Wolsey air a chuir san ard-inbhe so, ach ’se Abaraidhean a roghnich Mr. Gladstone. Tha fios a China ag innse dhuinn mu ghniomh oillteil a rinneadh faisg air Canton, aon de bhailtean mora na ducha sin. Dh’fheuch sgioba do ghaduichean ri bristeadh a stigh do thaigh-cluich ann san robh moran de dh’ iomhaighean oir us airgiod, ach chuir na saighdearan an ruaig orra, ’s b’fheudar dhaibh teicheadh le ’m beatha. Air an ath oidhche co-dhiu, thill iad ’s chuir iad teine ris an taigh-chluich, a bha aig a cheart am lan sluaigh, ’s bha moran dhiu nach d’fhuair a mach beo. Theich moran eile do theampull a bha faisg air laimh, ach ghabh an aitreabh sin tene mar an ceudna, ’s chuir e as do chiadan dhe na daoine truagha. Tha e air a mheas, eadar gach ni a bh’ann, gun deachidh corr us mile duine a dhith. Tha C. B. Welton agus Dr. Randall an drasd a cur seachad an laithean ann san taigh-oibreach an Dorchester. ’S iad so na fir a bha feuchinn ri’m fortan a dheanamh le bhi cuir airgiod urrais air beatha muinntir a bha cinnteach a bhi marbh am beagan uine. Am measg na feadhnach sin bha fear Mac Gille-Mhoire a mhuinntir St. Ann’s, a bha ann an trom chaitheamh ’nuair a chuir iad airgiod-urrrais air a bheatha. Ach an aite ’n t airgiod fhaotinn le’n cuid innleachdan, sann a fhuair iad coig bliadhna ’n t-aon dhe’n taigh-oibreach, rud bu mhath a choisinn iad. FAISG AIR CAITHEAMH.—Nuair a nithear dearmad air cnatan thig e gu tric gu caitheamh. Chan eil leigheas eil’ ann is luaithe bheir faochadh na Dr. Wood’s Norway Pine Syrup, oir chan eil leigheas ann cho eifeachdach ris. POSAIDHEAN. Aig Boston, Ian. 8mh, leis an Urr. S. C. Gunn, Ailein E. Caimbeul, Loch Ainslie, ri Catriona NicCoinnich, Baddeck. Aig Sidni, Ian. 19mh, leis an Urr. Iain. Gill-Ios, Domhnul Mac Leod, International Pier, ri Rachel Nic-Amhlaidh, Lake Vale. Aig Leitches Creek, leis an Urr. Eachunn Mac Guaire, Ian. 24mh, Seumas A. Mac Leoid, ri Mor Nic-Dhughill. BAS. Aig Riverside, California, Dec. 23mh, Caiptean Domhnull MacCoinnich, a mhuinntir taobh-deas an Eilein Mhoir. [TD 106] [Vol. 1. No. 36. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 28, 1893. NAIDHEACHDAN GAIDHEALACH A SASUINN. COMUNN NA FEINNE. Nuair a bha mi a sealltuinn thairis air seann phaipear a thanig gu m’ laimh, chunnaic mi cunntas air coinneamh bhliadhnail a bh’aig Comunn na Feinne (Comunn Gaidhealach) aig Geelong, Australia, air latha na bliadhn’ uire, 1863. Am bheil fhios aig fear sam bith de’r luchd-leughidh am beil an comunn so beo fhathast? Ma tha, tha mi cinnteach gum faigheadh MAC TALLA failte chridheil Ghaidhealach bhuapa ’san tir chein sin. SEARMON GAILIG AN LUNNINN.—Shearmonich an t-Urr. A. Connel ceud shearmon Gailig na bliadhna ’san Eaglis Albannach Cuirt a Chruin, an Lunninn air Di Domhnich an 8mh la den mhios so. Bha a dhoigh-labhirt cho fileanta, agus gnaths a chainnt cho glan ’s cho nadarra, ’s gun do dhichuimhnich a luchd-eisdeachd deatach us ceo Lunninn ’san robh iad, agus chaidh an smuaintean air ais do Thir an Fhraoich far an deach an arach. Ged a bha ’n t-side cho truagh—aiteamh mhor an deigh reothadh fada—thanig corr us da cheud de ghillean nam beann a dh’eisdeachd ri searmon ’san t-seana chainnt. Ghabh Mr. Connel a cheann-teagisg bho’n darra litir chum nan Coriantanach, an 4mh caib ’san 18mh rann. Thubhirt an t-Urr. Mr. Mac Rath, ministeir ur na h-Eaglis Albannich, beagan fhacail an deigh an t-searmoin. Searmonichidh an t-Urr Tormoid Mac Leoid, Inbhirnis, an ath shearmon Gailig ’san eaglis so air an 9mh la de dh’April. GAIDHIL BHANCOUBHER. Chuala mi gu bheil Reiseamaid Ghaidhealach gu bhi air a togail am bliadhna an Bhancoubher mar a rinneadh an Toronto an uiridh, agus tha mi sgriobhadh so an dochas gum faic Gaidhil Bhancoubher e ma tha an naidheachd a fhuair mi ceart. ’Se ’n rud a tha nam bheachd gum bitheadh e moran na b’ iomchuidh do reiseamaid Ghaidhealach fo sgriobhadh a ghabhail ’sa Ghailig na an cainnt sam bith eile mar a tha cho cumanta an diugh, eadhon am measg nan daoin-uaisle Gaidhealach. Chan eil na Comuinn am measg nan Gaidheal, aig a bheil fo-sgriobhadh Gailig, ach gle thearc, oir tha e coltach gur docha leo an Laidinn no an Fhrangis a ghnathachadh mar sin na an canain fein, ged is ann air son a cumail beo a chuireadh air chois a chuid a’s mo dhiu. Na bitheadh Gaidhil Chanada cho suarach ris na Gaidhil aig an taigh mu’n chuis so. Chan eil os an cinn-san parlamaid lan Shasannach a milleadh agus a cumail fodha gach ni Gaidhealach mar a pharlamaid aginn-ne. Ann sna Gaidhil Shiportach ’san arm Bhreatunnach, chan fhaicear facal ach Gailig air acfhuinn nan saighdearan. Tha “Cuidich an Righ,” no “Cabar Feidh,” ri fhaicinn air an cuid sporanan, colairean, bonaidean, criosan, braisdean agus gach ni eile ’bhuineas dhaibh. Ma theid reiseamaid a thogail ann an Bhancoubher, tha mi ’n dochas gun cuimhnich na Gaidhil na daoine bho’n danig iad, agus gun lean iad eisimpleir reiseamaid Mhic Coinnich. CREAG AN FHITHICH. Hastings, Sasuinn. Shuidh parlamaid Nobha Scotia deireadh na seachdain s’a chaidh. ’Se ’ni a’s cudthromiche ’tha air am beulaobh aig an am so reic meinnean guail Cheap Breatuinn. Tha cuideachd laidir de dhaoine saoibhir a mhuinntir nan Staitean us aitean eile an duil meinnean guail siorramachd Cheap Breatuinn a cheannach bho’na fheadhinn aig a bheil iad an drasda ’s tha luchd-riaghlidh Nobha Scotia deonach an toirt dhaibh. Tha moran dhe’n bharail gur ann a mhilleas iad so na meinnean agus an duthich, nach eil a dhith orra ach greim fhaighinn air na meinnean gus an dunadh, agus an cuid guail fhein a chuir gu margadh an Canada. Ma tha so ceart, bhiodh e gle iomchuidh srian a chuir am beul a chuideachd so, ma’s toirear dhaibh coir air ar cuid guail, ach ma tha rompa dhol air adhart leis an obair gu laidir, gun chlichdean sam bith a bhi fanear dhaibh, chan eil teagamh nach dean iad feum mor do’n duthich. AIR A DHEAGH MHOLADH.—Molidh mi Hagyard’s Pectoral Balsam gu mor air son casadich us cnatan. Leighis leth botail mo bhrathair de dhroch cnatan. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air easadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na’s gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 107] [Vol. 1. No. 36. p. 3] OIFHICHEAR DUBH BHAILE-CHRODHAIN. LE D B B. Aig deireadh a’ Chiadbliadhain a chaidh seachad bha duine ann an Baile Chrodhain, ann an sgireachd Chinn-a-Ghiubhsaich am Baideanach a chomhnuidh, a bha ’na chaiptean anns an arm Bhreatunnach, ri linn Cogadh na Frainge, nuair a theab na Frangaich an Saoghal a chur fopa fhein. B’ann de Chlainn Mhuirich, no Chloinn a’ Phearsain, a bha an duine so, a bha ’na dhuine aingidh, a rinn moran uilc agus a bha saruchadh an t-sluaigh, le bhi glacadh dhaoine, agus ’gan cur a a dh-aindeoin do’n t-saighdearachd, a chogadh ris na Frangaich. Uime sin air son duirchead a dhath, agus duibhead a ghniomharan, theireadh iad am Frith-ainm ris a thoill e, “An t-Oifhichear Dubh,” no “Oifhichear Dubh Bhaile-Chrodhain.” Bhiodh e a’ gnathuchadh luinneannan aingidh, agus fiar chleasan, gu daoine chur an sas, agus nuair a gheibheadh e anns an ribe iad, b’eigin daibh gabhail san t-saighdearachd, air neo chuireadh e am priosan iad, no as an duthaich. Uime sin bha e ’na bhochdan anns an tir, ’na ghrath agus ’na chulaidh eagail. Aig an am so b’abhaist do dhaoinibh bho ’n Eilean Sgiathanach, agus bho thuath, a bhi dol tre Bhaideanach gu Cars Ghoubhraidh, aig am na buana, anns an fhogharradh, gu beagan airgid a chosnadh. B’e cleachdadh an Oifhicheir Dhuibh a bhi ri feall fheitheamh air an son, aig monadh Dhruim-Uachdair, far an robh an rathad mor a bha dol gu Blar an-Atholl agus gu Baile Pheairt. Nuair a gheibheadh e grein orra chuireadh e air falbh iad a dh’ aindeoin do ’n arm gu cogadh ri Bonapart agus na Frangaich. Aig am araid thachair e air dithis de mhuinntir an Eilein Sgiathanaich, ach chuir se e fhein aman aimh-riochd, no muthadh dreach. Bha am feasgar air ciaradh, a’ ghrian air cromadh, agus an oidhche tuiteam. Bha taigh air mullach monaidh Dhruim-Uachdair, ris an abradh iad Taigh-a’-mhonaidh a bha leth an rathaid eadar Dail Choinnimh agus Dail na Ceardaich far am biodh an luchd-turuis a’ cur seachad na h-oidhche, nan tarladh a bhi anmoch a’ dol thar Dhruim-Uachdair. A chionn gun robh am feasgar ann agus e dluth do’n oidhche chomhairlich an t Oifhichear Dubh do na Sgiathanaich fuireach anns a bhothan gu maduin, agus an sin gum biodh solus an latha aca. Shuidh e fhein comhlath riutha agus las iad teine gus an oidhche chur seachad cho aoidhail ’s a b’urrainn daibh. Nuair a chaidh uine thairis thubhairt esan ris na daoinibh, “nach sinn a tha gorach ag itheadh arain tioraim, gun dad ach uisge leis, agus muilt reamhra cho pailt mun cuairt duinn air na cnuic. Rachamaid agus glacamaid fear dhuibh, agus bruichidh sinn e agus bidh cuirm againn air an fheoil.” Gun smuaineachadh ceart air a’ chuis ghabh na daoine an droch comhairle, chaidh iad agus rug iad air fear de muilt reamhra, a bha mun cuairt, oir tha na muilt gle reamhar an am an fhogharraidh. Mharbh iad am mult, rinn iad fheannadh; chuir iad mir mor dheth anns a’ phoit, las iad teine mor greadhnach, gus a bhruich, agus shuidh iad gu socrach timchioll an teine, a’ feitheamh gus am biodh an fheoil bruich air son an suipearach. Nuair a chaidh uine mhath seachad agus a bha a’ chuirm an impis a bhi deas, chaidh an t-Oifhichear a mach car beag thun an doruis, mar gum biodh e dol a dh amharc ciod a bha an oidhche a’ deanamh. Nuair a fhuair e mach chaidh e gu cul tuim araid far an robh buidheann shaighdearan aige ri feall-fheitheamh; chuir e dheth an t-aimhriochd agus chuir e uime a’ chulaidh-airm, eideadh an t-saighdeir agus an oifigich. Thainig e fhein ’s na saighdearan an sin air ais do’n taigh; fhuair iad na Sgiathanaich a’ cocaireachd na feola, ghlac iad mar mheairlichiad, agus mar aontaicheadh iad ri dhol do ’n t-saighdearachd, bhagair iad orra am fogradh thar chuan gu Botany Bay, far an robh iad a’ cur nam meairleach aig an am sin. B’ eigin do na Sgiathanaich striochdadh agus falbh far nach b’aill leotha a dhol. (Tuilleadh.) Ged tha geamhradh briagha aginn-ne an so, tha geamhradh cruaidh reota ann an cearnan eile de dh’ America, agus tha muinntir na Roinn Eorpa a fulang gu mor leis an fhuachd. Tha moran am measg an t-sluaigh bhochd a basachadh, agus tha naidheachdan oillteil a tigh’nn a caochladh aitean. Air sraidean Bherlin, ’sa Ghearmailt, aon mhaduinn air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaradh triuir air an reothadh gu bas. Ann an Servia, tha na madaidh-allaidh an deigh na coilltean fhagail, ’s tha iad air fas cho dalma ’s gu bheil iad gu tric ri’m faicinn air sraidean mam bailtean. Mharbh iad nighean og faisg air Belgrade, agus an aitean eile chan urrinn da na tuathanich an cumail bho na caorich. Far an robh ’ghort ann an Ruisia an uiridh tha’n sluagh air fior dhroch caradh araon le fuachd us acras, oir bha iad air an lagachadh cho mor leis a ghort ’s nach b’ urrinn daibh ullachadh a dheanamh air son a gheamhridh. Tha stoirmean mora sneachda am Breatuinn, ’s tha moran shoithichean air am bristeadh ’s air an call air na cladichean. FAOCHADH O’N CHRUP.—Tha gille beag leamsa gu tric dona leis a chrup, ’s chan eil ni is mo ni dh’fheum dha na Hagyards Yellow Oil. Mar sin molidh mi e do mhuinntir eile.—MRS L. H. BALDWIN, Ont. Tha bean ann an Dachidh nan Dilleachdan an Ottawa tha ceud bliadhna ’sa dha a dh’ aois. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F. Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 108] [Vol. 1. No. 36. p. 4] CAIT AN CAIDIL AN NIONAG. LE IAIN MAC DHOMHNUILL OIG. LUINNEAG:— Cait an caidil an ninoag an nechd, O’, cait an caidil an nionag? Far an laigh an nionag an nochd Is truagh nach robh mi-fhin ann. Is truagh a righ nach robh mi thall Ri barr nan crann a direadh, ’S gum faighinn a bhi mar ri m’ luaidh Air druinn a chuain ged bhiodhmaid. ’S ann agam fhin bha ’n nionag og Bu bhoidhche bha san tir so; A deud mar chailc, a gruaidh mar ros, ’S a pog air bhlas an fhiona. ’S ann oirre fein a dh’fhas a ghruag ’Tha buidhe dualach, sinte; Air dhreach an oir a’s boidhche sunadh Na dhuallibh tromh na cirean. Cha robh ciobair no duin uasal, No fear-cuairt’ a chiteadh, Nach robh ’strith ri deanamh suas Ri caileig shuaire nam min bhas. Cha b’ e bhi cutadh an sgadain ’Chleachdadh le mo nionaig; Ach bhi bleoghan a chruidh ghuaillionn Mach ri gual an t-sithein. Gur a diombuch mi de m’ bhraithrean, ’S de mo chairdean dileas; Nach do leig iad leam a posadh, Caileag og nam miog-shul. Nuair a thogadh na siuil arda Bha mi craiteach, cianail; Shil mo shuilean mar an dearrsach Nuair a dh’fhag iad m’ fhianis. Cha doir fiodhull, cha doir organ Cha doir ceol na pioba, ’S cha doir nionag ’theid na comhdach Air mo bhron-sa diobradh. ’S truagh nach robh mi seolt’ gu leoir, ’S gun d’ chord mi ri Mac-Niomhain; Gheibhinn bata gun an grot A sheoladh gu Port Righ leam. Nam biodh agam-sa fo m’ ordagh ’M beagan oir a dh’iarrinn Bu ghrad thall mi ’n tir nam mor chraobh Posda ri Catriona. Ach ma ’s beo dhomh beagan mhiosan Fiachidh mi le dichioll Am faigh mi ’n t-aiseag a Grianaig, No o bhialabh Lite. Rinneadh an t oran so le Iain Domhnullach, Iain Mac Dhomhnuill Oig Mhic Fhionnlaidh, an sgireachd Chille-Moire’san eilean Sgiathanach. Thanig an nighean, Catriona nighean Alasdir Pheutain, do Cheap Breatuinn, mu’n bhliadhna 1831. Cha robh Iain ach naoidh bliadhna deug aig an am sin. Cha danig e do ’n duthich so. Chaochail e nuair a bha e mu shia bliadhna fichead. Fhuair mi cuid dhe’n oran bho Mhari Nic-Fhionghainn ’sa bhliadhna 1882 ’s cuid bho Chalum MacGilleain, Calum Aonghuis, an la roimhe. LAG A MHUILINN. Shuidh Parlamaid Chanada Dior daoin s’a chaidh. A reir coltais, chan eil gnothuichean mora san bith ri bhi air an thoirt fa chomhair nan uaislean air an turus so, agus mar sin chan eil suil ri iad a bhi cruinn uine ro fhada. Tha ’phairtidh aig am bheil an riaghladh moran nas laidrie na bha iad mu’n am so’n uirridh, agus theid aca air cuisean a chuir air doigh mar is ail leo gun dad a chuir an cead chaich. Chan eil teagamh nach bi iomadh cath teth bruidhne eatorra, ach chan eil sul aig taobh seach taobh ri fior chogadh. Tha sinn an dochas nach bi an suidhe air a bhliadhna so cho fior fhada sa bha e air a bhliadhna chaidh seachad. Tha e gle iomchuidh gum biodh gnothuichean na ducha air an cumail ceart, agus laghannan matha air an deilbh, ach chan eil reusan sam bith air Parlamaid Chanada a bhi cruinn ceithir no coig miosan a h-uile bliadhna, nuair a dh’fhaodadh an obair a bhi air a deanamh ri mios no dha. Tha ’n t-Urr. I. W. Mac Ghriogair, Stoneham, Mass, a sgriobadh. Tha ainmean nan leigheas a dh’fheuch mise air son droch stamag thar aireamh. Cha d’rinn gin dhiu feum cho mor dhomh sa rinn K. D. C. Fa nach bi cion-cnamhidh bidh cha bhi cholera. Glanidh K D C do stamag air chor ’s nach dearg cholera ort. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Thatar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [No. 37 a dhìth] [TD 109] [Vol. 1. No. 38. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 11, 1893. No. 38. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNAICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha e air a radh gu robh fiach corr us leth-cheud mile dolair de dheoch laidir air ol ann an Truro air a bhliadhna sa chaidh. Be Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, an latha b’ fhuaire dh’ fhairicheadh am Manitoba o chionn moran bhliadhnichean. Bha tuil mhor ann an Australia o chionn ghoirid a rinn call uamhasach. Bha bailtean air an cuir fodha, taighean us drochaidean air an sguabadh air falbh, agus moran dhaoin’ air am bathadh, Cha d’fhuaras fios ceart fhathast air meud a challa. Tha na Frangich a bruidhinn air drochid a chuir thairis air a chaolas a tha eadar iad us Breatuinn. Bi’dh an drochid so, ma thogair i, ceithir mile deug thar fhichead air fad, agus cosgidh i corr us ochd fichead muilean dolair. Gabhidh i mu dha mhuilean tunna de chruaidh ’s de phraiseach. Chaidh fear Seumas Anderson fheuchinn aig cuirt an Amherst an le roimhe air son bristeadh a stigh do thigh agus air son losgadh ais oifigeach a chuireadh ga ghlacadh. Air son na ceud chionta fhuair e tri bliadhna dhe’n tigh oibreach, agus air son na ciont eile deich bliadhna ’san aite cheudna. Bhris iorghail mhor a mach am Boyotta am Pennsylvania air an t-seachdain s’a chaidh, agus mhair e fad da latha. Tha e air aithris gu bheil corr us ceud duine air am marbhadh, agus coig ceud air an leon. ’Se dh’aobharich an iorghail nithean taireil a bha air a radh ann am paipear-naidheachd mu dheibhinn an luchd-oibreach. Chruinnich an luchd-oibreach mu thigh an fhir a sgriobh na nithean sin, agus cha ghabhadh iad cuir air falbh gus an danig na saighdearan. SO AN T AM.—Mun am so bi casadich, cnatan, cuing us tinneasan eile buailteach dhuinn, agus bhiodh e feumail botull de Dr. Wood’s Norway Pine Syrup a bhi faisg air laimh, oir leighsidh e gach aon dhiu. A phris 25 us 50-cent am botull. Tha Mrs. A. D. Cameron an sa phriosan am Bridgetown an drasta. Tha e air fhagail oirre gun do chuir i crioch air a fear le puinnsean a thoirt da ann an ti. Cha robh iad a cordadh gu ro mhath o chionn aireamh bhliadhnichean, agus cha robh iad cuideachd ach beagan dhe’n uine uaithe sin. Bha ise coig bliadhna fichead na b’oige na esan, agus tha e air a radh gu robh i a gabhail brath air na sheann aois agus cho dona dha’s gun d’thug i a thur bhuiathe. Bha e bochd, breoite gun e air chothrom dad a dheanamh air a shon fhein, ’s cha robh ise ’cleth aona chuid air fhein no air muinntir eil nach b’fhior thoil leatha gu’m basicheadh e. Chaidh i ’ga choimhead o chionn cor us seachdain agus cha robh i fada san tigh san robh e fuireach nuair a throid iad. Latha no dha an deigh sin air dhi a bhi frithealadh air aig am bidh, thug i dha deoch a chuir na chadal e cho trom ’s nach do dhuisg e riabh. Thuit amharus oirre ’sa mhionaid, agus air do na dotairean an corp a rannsachadh fhuair iad gu robh e air a phuinnseanachadh. Chaidh a bhean an sin a chuir do’n phriosan gus an rachadh a toirt gu cuirt. Tha geard oirre latha ’sa dh’oidhche air eagal gun tig i ri ’beatha, oir thug i droch ionnsidh air sin a dheanamh cheana. Tha parlamaid Bhreatuinn na suidhe bho thoiseach a mhios so. Tha moran de reachdan ura air a ghealltuinn leis an luchd-riaghliadh, agus ma ni iad an darra leth dhe na gheall iad a cholionadh, ni iad gle mhath. Tha Fein Riaghladh do dh’Eirinn agus Di-steidheachadh Eaglis na h-Alba am measg nithean eile ri bhi air an toirt fa chomhair na parlamaid. Tha Gladstone na sheann duine, ach ged tha e, tha e cho laidir na bhareil fhein sa bha e riabh, ’s tha e cur roimhe moran obair a dheanamh. Se tim a mhain a dh’innseas cia mar theid leis. Tha Nicholas Timmeran, Kingston, Ont. a sgriobhadh,—Bha mo bhean dona le droch stamag fad bliadhna, cha b’urrinn dhi biadh a chnamh, ’s bha i fulang moran. Dh’fhiach i iomadh seorsa, ach ’se K. D. C. a leighis i gu buileach. [TD 110] [Vol. 1. No. 38. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 11, 1893. Aig baile ann an Texas ris an abrar Paris, rug an sluagh air duine dubh a bha na maoir a toirt leotha do’n phriosan air son cionta eigin, agus an deigh dhaibh a phianadh air gach doigh air an smaoinicheadh iad, cheangail iad e, chruinnich iad torr connadh mu’n cuairt da, agus loisg iad gu bas e. Bha suas ri deich mile sluaigh ag amhare air a ghniomh oilteil so, agus cha do thog duine dhiu lamh no cas gus an duine truagh a theanacas! Chan eil duthich fo’n ghrein aig a bheil ainm a bhi na duthich Chriosdail, no aig a bheil ni coltach ri lagh no ceartas, ann sam faodadh a leithid a bhi air a dheanamh, ach ann sna Staitean fhein, agus ged is nar e ri innse chan eil an sid ach ni a tha gu tric a tachirt san duthich sin. Faodidh an luch-lagha agus iadsan a tha gabhail as laimh an lagh a chumail suas a bhi nan seasamh ri taobh nan crochadairean nuair a bhios iad a cur as do dhuine a tha ma dh’fhaoidte neo-chiontach, ach cha chuir iad gearain sam bith a stigh orra. Nan tigeadh air an fheadhinn sin a mhuinntir Chanada a tha cho deigheil air a bhi cur suas nan Staitean os cionn an tir fhein, samh a ghabhail ’an Texas fad bliadhna no dha, theagamh gun biodh ceol eil’ aca nuair a thilleadh iad dhachidh. Tha luchd riaghlidh Bhreatuinn an deigh coig ceud deug punnd Sasunnach a thoirt do mhuinntir Leodhis air son roidean ura fhosgladh ann an cearnan iomallach de’n eilean far nach robh roidean aca roimhe so idir. Bheir an t-airgiod a tha gu bhi mar so air a bhuileachadh, ni do’n t-sluagh air am bheil iad ro-fheumach o chionn fhada, agus a thuilleadh air sin a toirt dhaibhsan a tha air dhroch caradh leis mar a chaidh am barr ’san t-iasgach nan aghidh, comas air cosnadh a dheanamh gus iad fein a chumail suas. NIGHEAN A MHORAIR. (O’n Bheurla.) Le Eobhan MacLaomuin, M. A., D. D. Bho chionn moran bhliadhnachan, bha chomhnuidh ann a Sasuinn, morair iomraiteach, aig an robh mor shaoibhreas. Be ruin a bhi tarruing a phriomh thoil-inntin bho a shaoibhreas agus ard mheas. Bha aig an duine uasal so aon nighean a be iodhal a chridhe. Bha pailteas—mor phailteas air a chosg ri a foghlum. ’S math a dh’ath-dhiol i ann a mor bhuadhna inntin na rinn a h-athair caomh air a son. Bha i maiseach na gne agus na h-oilean. Bha i cho ciatach na cleachadh s’ gun robh i ann a mor mheas aig na h-uile chuir eolas oirre. Ach, coltach ri a parantan, bha i gun eolas air fior Dhiaghachd. Bha e air orduchadh an deagh am, ann am freasdail an Tighearna gun rachadh i stigh do dh-Eaglais anns an robh teagasgan a chroinn-cheusaidh gu dileas air an searmonachadh. Dheisd i le deagh aire ri searmoin shoisgeulach. Be chrioch dha so gun robh i air a toirt fo iomagain domhain anama agus ealamh as deigh sin bha i air a h-iompachadh. Bha teachd aic a nis a bhi suidhe fo fhuaim an t-shoisgeul. Bha bhi lathair aig coinneamhan urnuigh na fhior thaitneas dhi. Bha e na chleachdadh aice bhi taghal nan aitean anns an coinnicheadh i ri ministearan co-aontach bha fo bhuaidh nan dochasan bha i fein a sealbh achadh. Bha solasan na fior dhiadhachd cho mor dh-ise ’s gun robh iad da-rireadh cuir thairis. Bha caochladh chaidh oibreachadh innte air a chomharrachadh le h-athair caomh leis an doilgheadas bu chraitich. Bha bhi faicinn a nighean chaomh fo bhuaidh meallaidh, mar bha esan an duilna mhathair aobhar craidh domhainn dha. Air an aobhar sin chuir e roimhe oidhirp a thoirt air a bharail chearr bha i g-arach a thaobh toileachas inntin atharrach, agus a thaobh mar bu choir dhi a h-uine bhuileachadh. (Ri Leantuinn.) Tha Ruisia o chionn iomadh bliadhna a bagairt tigh’nn air a Ghearmailt le h-armailt chogidh air son a toirt fo chis no air a char a’s lugha gabhal oirre. Chan eil fhios c’uin a tha duil aice ’n ionnsidh a thoirt, ach tha eagal mor an iomadh aite gu bheil roimpe na’s urrinn dhi a dheanamh air an earrach s’a tighinn. Bidh sinn an dochas co-dhiu nach eil a leithid sin ’na beachd gus a faic sinn a chaochladh. CNATAN US AMHACH GHOIRT.—Tha sinn a cleachdadh Hagyard’s Yellow Oil san teaghlach air son cnatan us amhach ghoirt agus tha e iongatach. Bha mo phiuthar dona le cuing ach leighis an Yellow Oil i am beagan uine.—Lizzie Chapelle, Baldwin Ontario. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 111] [Vol. 1. No. 38. p. 3] FOGRADH NAN GAIDHEAL. CATAOBH. Tha an duthaich a nise ’na fasaich cho mor as nach ’eil daoine ri fhaotainn innte a ni saighdearan. Nuair a bha cogadh eadar Ruisia agus Breatunn, bho cheann faisg air da fhichead bliadhna, ghairm na h-uaislean coinneamh, agus chruinnich iad an sluagh; ach nuair a thuig na daoine gur h ann air son saighdearan fhaotainn a rachadh do ’n Chrimea chun a’ chogaidh a thionaileadh iad, s ann a thoisich iad ri atharrais air meilich nan caorach agus air geumraich nan damh, ag eigheach a mach “Maa! maa! bu-o! bu o!” A ris ghlaodh iad ris na h-oifigich a bha a’ gabhail nan saighdearan, “Cuiribh na feidh agus na buic-earba, na reitheachan, na coin ’s na ciobairean agus forsairean nam fiadh a chogadh ris na Ruiseinich, oir cha d’rinn iad cron riabh oirnne.” Bha Mr Loch am factor, agus oifigeach airm, a’ siubhal fad shia seachduinean, air son saighdearan foaotainn, ach cha d’ fhuair iad aon duine a ghabhadh os laimh e fein a cheangal ri dhol da ’n t-saighdearachd. Nuair a chual an Diuc Catach an sgiala muladach so, dh’ fhag e Lunnuinn agus thainig e gu Cataobh, gu caisteal Dhun-robainn. An deigh dha e fein a nochdach air sraidibh Ghoillspidh agus Bhrura, ghairm e coinneamh de na bha de dhaoinibh anns na tri sgireachdan, Cline, Raghairt, agus Goillspidh. Air gairm an Diuc chruinnich mu thimchioll ceithir chiad fear, aig an uair a shonruicheadh. Thainig an Diuc ’na charbad, agus an ceann beagan uine thainig na h oifigich-airm agus na factoran. Rinn an sluagh iolach aigh’r nuair a thainig iad, agus shuidh an Diuc air a chathair. Bha tri no ceithir de chleirich sgriobhaidh timchioll a’ bhuird ’nan suidhe, a’ fuasgladh phasganan tomadach de dh-airgiod paipeir Banc Shassuinn, agus a’ sgaoileadh a mach thruinnsearan lan de dh’or buidhe, dealrach. Dh’eirich an Diuc agus labhair e ris an t-sluagh mar so, “Is eigin dol a chogadh ri Russia: tha an t-Impire ’na aintighearna, agus feumar casg a chur air. Tha a’ Bhanrighinn ag iarraidh shaighdearan gu cogadh ris, gus a chumail as an Tuirc. Gille og sam bith a ghabhas anns an Reiseamaid Chataich, bheir mi fein da sia puinnd Shassunnach; no ma ghabhas e ann an reiseamaid eile, bheir mi dha tri puinnd, air chul airgiod na Ban-righinn.” Shuidh e an sin, ach cha do fhreagair duine. Bha iad tosdach mar an uaigh. Thuirt e an sin gun robh iongantas air nach robh neach a’ freagairt. Mu dheireadh dh’ eirich seann duine air a’ bhata, agus thubhairt e, “Tha mi duilich, a Dhiuc nach eil duine air bith a’ labhairt, ach bhon a tha sibh ag iarraidh fios an aobhair nach ’eil, is eigin domh innseadh a chionn nach aill le fear eile sin a dheanamh. Nuair a chuir bhur sean mhathair an Reiseamaid Chatach air a bonn an toiseach, chruinnich coig ciad deug sluaigh ann an da fhichead uair ’s a h-ochd, as an do thagh i na naoidh ciad fear a bha i ag iarraidh. Ach rinn bhur mathair fein, agus a cuid factoran, an sluagh fhogradh as na glinn, agus na srathaibh anns an robh na ciadan gaisgeach a chomhnuidh, agus lion iad an duthaich le bruidibh balbh. Ged a thigeadh Impire Ruisia agus a ghlacadh e Caisteal Dhun-robainn, agus tigh greadhnach Stafford, cha bhiodh duil sam bith againn gum buineadh e ruinne air doigh na b’ain-iochdmhoire, na rinneadh mar tha, le teaghlach Diuc Chataoibh. Cha d’ rinn na Ruiseinich riabh cron sam bith oirnne. Cia mar a gheibhear saighdearan far nach eil daoine. Ach tha aon mhathas ann, mar faighear daoine gu cogadh, gheibh sibh gu leor de mhuilt fheoil de mhairt-fheail, agus de shithinn fhiadh a bheathaicheas an dream a theid a chogadh.” Nuair a chual an Diuc so dh’ eirich e na sheasamh, chuir e an ad air a’ cheann, thrus e leis a chuid airgid us oir, agus dh’ imich e roimhe. Bha Cataobh, mar a’ chuid eile de ’n Ghaidhealtachd, aon uair lan sluaigh; daoine foghainteach treun, a bha nan saighdearaibh gaisgeil, a cogadh ann an aobhar na righachd ri naimhdibh Bhreatuinn, agus gu h-araid an aghaidh nam Frangach, nuair a dh’erich aimhreit agus troimhe cheile an sin, bho cheann chiad bliadhna roimhe so, agus a theab Napoleon Bonapart an saoghal a chur fodha fhein. Ach mu thruaighe! tha n tir an diugh na fasaich; is gann a gheibhear daoine innte freagarrach, no iomchuidh, air son shaighdearan. Cha’n fhaicear ach deoiridhean truagh, bochd, diblidh, a’ crith leis an eagal roimh ghnuis nan deamhan a tha ri foirneart orra, agus a rinn an creach. Gheibhear na creutairean diblidh so ’nan grunnaibh air muin a cheile, aig taic na mara, an sud agus an so, agus acair no dha de dh’fhearann mointich aig gach teaghlach, a tha iad a reiteachadh air son talamh Buntata a dheanamh dheth, far am bheil iad a’ cur beagan Buntata san Earrach a bhios aca nuair a thig am fogharradh air son beathachaidh an teaghlaich, maile ris an sgadan a ghlacas iad anns a mhuir le’n liontaibh. Anns an t-samhradh tha a’ mhuinntir og agus laidir a’ triall gu Gallaobh, agus Galldachd an taobh deas de dh’ Albainn, agus cuid gu Sassonn, air son cosnaidh fhaotainn; agus an tuarasdal a tha iad a’ faotainn air son an saoithreach, ghleidh iad gu curamach gus a chur dhachaidh gu furtach air an cairdibh aig an taigh an Cataobh. Ach tha so air a chosd an am paigheadh a’ mhail do’n uachdaran, air son cead faghinn gu fuireach air na h-acairibh mointich oir mur paighear am mal, theid am fogradh as na taighean agus as an tir. A nise nuair a tha na nithean so mar so tha na miltean agus na ciadan mile acaire fearainn nam fasaich, fo chaoirich agus fo fheidh; tha am fearann so na fhearann math tarbhach, a bha aon uair air a threabhadh agus air oibreachadh le tuathanaich ghoireasach, aig an robh crodh agus caoirich, maille ri pailteas de nithibh maithe na beatha so, agus gach ni a ta feumail air son cumail suas an teaghlaichean. Tha e na bheulradh am measg an t-sluaigh gun robh Coinneach Odhar am fiosaiche, no fiosaiche air chor-eigin eile, ag radh, “gun cuireadh peirceall na caorach an crann air an fharadh.” Tha e coltach gun d’rinneadh so gun mheachannas, gun fhathamas anns gach cearna de’n Ghaidhealtachd. Bha fiosaiche eile ag innseadh “gun tigeadh an t-am anns am biodh am fearann air mal, air da mhal, air tri mail, agus mu dheireadh gun mhal idir. Thachair a cheud chuid de ’n fhiosachd, ach tha chuid eile fathast gun choilionadh. Tha feum aig na Gaidheil bhochda gum faigheadh iad am fearann gun mhal idir, agus gum biodh na meairlich agus na robairean a ghlac am fearann aca leis an laimh laidir air an gairm gu cunntas a thabhairt as an stiubhartachd, oir chan ’eil e iomchuidh iad a bhi nas fhaide nan stiubhardaibh, a chionn gun d’rinn iad ana-caitheamh eucorach air a’ mhaoin a dh’earbadh riutha, agus mi-bhuil de’n fhearann nach buineadh dhaibh-san a mhain, ach mar an ciadna do’n t-sluagh gu h-iomlan a bha chomhnuidh air anns na linnibh bho chian. Mar is luaich thachras so is ann a’s fearr a’ chuis do na Gaidheil. Buinidh a’ Ghaidhealtachd do na Gaidhil, oir thug Dia dhaibh i air tus ann an cursa a Fhreasdail. D. B. B. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 112] [Vol. 1. No. 38. p. 4] CADAL CHA DEAN MI. LUINNEAG. Cadal cha dean mi Cadal cha dean mise, Cadal cha dean mi ’Cuimhneachadh na cruinneig. ’S mis’ a thug an gaol, ’S daor a rinn mi cheannach; Bhuai e mi ’san taobh Far nach faod mi ghearan. Bha mi ’n raoir air bal An taigh ard nan uinneag; Shuidh mi air do ghluin ’S dhiult thu mi gu buileach. Greusiche nam brog Phog e thu le furan; Mheudich sin mo bhron; Dh’fhalbh mo sholas uile. Tha thu beothail, og, Tha thu boidheach, lurach: Tha do ghruaidh nar ros, ’S tha do phog mar ubhall. Ach ged tha thu grinn. Cha bhi mi gad leanachd; Rach le fear nam brog ’S faigh gach solas mar ris. Mari aig Iain Og, Tha i boidheach geanail; Theid mi air a toir, ’S cluinnear ceol air banis. LAG-A-MHUILINN. Chan eil cuisean gu leir ceart ann san Eiphit fhathast, ach chan urrinn gum bi tuaireap sam bith ann a chuireas eagal a’s fhiach air Breatuinn. Tha’n Khedive ro lag ’s tha a luchd-leanmhuinn ro ainmig air son neart a thoirt da. Teagaisgidh uine araon dha’n Khedive agus dhaibhsan a tha ga bhrosnuchadh nach eil aca ach obair fhaoin. Tha ’n Fhraing a gabhail oirre gu bheil fearg aice ri Breatuinn air son a bhi ’g agirt coir air an Eiphit, ach traoighidh a fearg ri tim. Tha’n Turcach mar-an-ceudna an dochas gun tig air Bretuinn an duthich fhagail, oir bhiodh moran creiche mar sin air fhagail fo ’lamhan fhein, agus chan iarr e spors a’s fhearr na bhi creach ’sa spuileadh ’iochdarain fhad sa bhios creach aca. Bha’n Eiphit fo ’spoig roimhe agus bha ’bhlath sin oirre nuair a b’ fheudar dha a leigeil bhuaithe. Tha aireamh mhiltean de shaighdearan Breatunnach fo’n armachd aig dorsan na h-Eiphit, deiseil gu dhol air adhart uair air bith a bhios feum orra. NA DEAN MEARACHD.—Na dean mearachdan mu cheannach leigheas air son droch stamag, ceann goirt, ceangal cuinn no droch fhuil, bi cinnteach gum faigh thu ’n seorsa ceart, B. B. B. “Tha e na leigheas iongatach air ceann goirt.” C. B, Robinson. Air an t-seachdain s’a chaidh, rinn an Diaghair aosda an t-Urr. Eoghain MacLeod, D. D., baisteadh na thigh fhein s’a bhaile so. Chruinnich mu thuaiream deich thar fhichead ’ga eisdeachd agus thug e dhaibh searmon gasda a chuir nan cuimhne as ur na h-oraidean eireachdail a b’abhist daibh fhaotinn bhuaithe nuair a bha e air chomas searmonachadh ’san eaglis. Tha an dotair coir a nise ceithir fichead bliadhn’ sa deich a dh’aois. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fed bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. Tha dotairean ag radh nach dearg cholera air stamag fhallain. Bheir K D C an stamag gu bhi fallain. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [No. 39 a dhìth] [TD 113] [Vol. 1. No. 40. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 25, 1893. No. 40. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha acarsaid New York air a dhunadh le deigh. Bha fearann a reic am Montreal an la roimhe aig naoidh dolair fhichead an troigh. Dh’eug am Breitheamh Kelly ann an Charlottetown an la roimhe. Bha e tri fichead bliadhna dh’aois. Am feadh sa bha nighean og Miss Lynch a dol seachd air an t-sraid ann a Halifax an la roimhe, ruith each us carbad thairis oirre agus chaidh a marbhadh. Chaidh coig ceud tigh a losgadh gu lar ann an Constantinople feasgar Dior-daoin. Tha corr us tri mile sluaigh gun dachidh. B’fhiach na chaidh a losgadh de thaighean suas ri muilean dolair. Tha aireamh de charbadan iaruinn ri dholl gu feill an t-soaghill a thugadh gu Pictou sa bhliadhna 1837 air son tarriung a ghuail as na meinnean. Tha e air a radh gur iad na ceud charbadan dhe’n t-seorsa a chuireadh a dh’obair an America. Aig Allt-an-Dotair an siorramachd Antigonish, dh’eug o choinn ghoirid, Catriona Chaimbeul a rainig an aois mhor ceud bliadhna ’sa tri. Rugadh i an siorramachd Inbhinis an Alba ’sa bliadhna 1790, agus thanig i do’n duthich so maille ri’ h-athair, Domhnul Caimbeal nuair a bha i na caileig oig. Air an fhoghar sa dh’fhalbh, cheannich I. C. Cleireach stor agus tigh-comhnidh bho S. H. Brown, Stanley Bridge, P. E. I. Air an t-seachdain sa chaidh dh’fheuch e ri thoirt thairis air an deigh gu New London. Nuair a bha e air an t-slighe bhrist an deigh ’s chaidh an tigh do ghrunnd na h-acarsaid. Tha Tormoid McLeoid, Maxville, Ont., a sgriobhadh:—Bha droch stamag a cuir dragh orm o chionn 24 bliadhna. Dh’fheuch mi K. D. C. nuair a bha ’n Fheill aig Ottawa, agus ’se ’n aon ni a rinn feum dhomh riabh. Ni mi dha uiread obair an drasda. Cha b’urrinn dhomh oibreachadh ach uair no dha gach latha, ach a nis oibrichidh mi fad an latha gun sgiths sam bith. Chaidh soitheach-seolidh a bha ruith eadar Halifax us Jamaica a chall, maille ri dithis dhe na bha air bord. Thugadh cach air falbh le soitheach-cogidh Breatunnach a thanig na rathad nuair a bha i gu dhol fodha. Bha dithis ghillean oga a mach le bata beag sealgaireachd ann am Margaret’s Bay, N. S., an la roimhe agus chaidh am bata thairis. Ghreimich fear duibh ris a bhata agus fhuaireadh a thearnadh; dh’fheuch am fear eile ri snamh gu tir, ach mu’n d’ranig e chaidh a bhathadh. Aig Grand Falls, N, B., oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh Samuel Barr, seann duine 72 bliadhna dh’aois, a losgadh gu bas na thigh fein. Bha e bacach agus cha b’urrinn da teicheadh. Dh’fhag e dithis chloinne na dheigh. Dior-daoin s’a chaidh bhuail an train duine faisg air Moncton, N. B., agus chaidh a mharbhadh air ball. Bu mhaighstir-sgoile e da ’m b’ainm Deorsa Edgett; agus bha e tilleadh dhachidh a baile beag faisg air Moncton far an robh e teagasg. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’aois. Chaidh fear Uilleam Scott a leigeil as an taigh-oibreach an Columbia Bhreatunnach air an t-seachdainn s’a chaidh an deigh dha a bhi ann fad shia bliadhna. Bha e air a chur a stigh an 1887 air son ionnsidh a thoirt air duine ’mharbhadh, agus bha e ri da bhiliadhna dheug a chuir seachad ann, ach thug an luchd-dreuchd a shaorsa dha nuair a bha darra leth na h uine sin air ruith. Aig Margaree air an darra latha deug dhe’n mhios so, dh’eug Catriona Ros, bantrach Aonghait Rois, ceud bliadhna ’sa h aon a dh’aois. Rugadh i ann an Cille Mhoire ’san Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1792. Thanig i do’n duthich so an 1820 maille ri a fear posda. Bha ochdnar chloinne aice, ceathrar mhac us ceathrar nighean. Dh’fhag i ceud sa h-ochd de dh’oghichean, us ceithir fichead ’sa h ochd deug de dh’ iar-oghichean. Bha dithis pheathrichean aice san duthich so; bha te dhiubh so ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’aois nuair a dh’eug i, agus an te eile ceud bliadhna ’sa dha. [TD 114] [Vol. 1. No. 40. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 25, 1893. Tha e gle choltach gu bheil na staitean an duil eilean Hawaii a ghabhail fo’n riaghladh fein an uine ghoirid. Chuir an Ceann-suidhe fios thun an t-Seanidh an la roimhe ag iaridh gum biodh an t-eilean air a ghabhail a steach gun dail, agus ag radh gu robh rioghachdan na Rionn-Eorpa toileach gum biodh sin air a dheanamh. Tha cuid de na paipearan Sasunnach a cur an aghidh so agus ag radh gum bu ghlice do Harrison, ’s do ’n t-seanadh gun ghnothuch sam bith a ghabhail ri Hawaii, nach biodh na bhuinigeadh iad le bhi sealbhachadh an eilein sin faisg cho mor ris na chailleadh iar a thaileabh. Tha fhios gum bu Gheancich a chuir an upraid air chois ann sna chaill a bhan-righ a crun, agus gu robh aonadh an eilein ris na Staitean aca san amharc bho thoiseach. Tha moran de dhaoine geala a tamhachd air eilean Hawaii, ach cha Gheancich iad uile; tha aireamh mhath de Bhreatunnich ’s de Ghearmailtich ann, agus is cinnteach an ni gu bheil iad sin cho airidh air esideachd fhaighinn ri muinntir nan Staitean. Nuair a bheir sinn so uile fa-near chan urrinn gun tighinn gu co-dhunadh gum biodh e na b’fhearr do na Staitean Hawaii fhagail uapa. Cha chuireadh e mor ioghnadh oirnn ged a bhiodh a bhan-righ Hawaiiach an ceann beagan uine na suidhe aon uair eile air a chathir rioghail, dheth na chuireadh i le ceannas us lamhachas laidir choigreach, aig nach robh dad san amharc ach an saoibhreas fhein. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fed bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. NIGHEAN A MHORAIR. Le Eobhan MacLaomuin, M. A., D. D. Chuireadh air doigh gun d-thoireadh aireamh dhe na h-og bhantighearnan oran seachad maille ri cuideachadh inneal-ciul aig an am. Thainig an t-am suidhichte—chruinnich a bhuidhean—choimhlion aireamh an earran fein gum mor thaitness na cuideachd air chor s’ gun robh iad uile ard aighearach. Bha n h-orain san ceol leis an robh iad air an toileachadh freagarach airson na h uile ni crabhach fhuadach o’n inntin. Bha iad cridheil, aotrom agus fuathasach tairgneach. Mu dheireadh thainig an t-am aig nighean a mhorair, agus ghairmeadh a h-ainm. Air ball bha na h-uile suil suidhichte oirre dhaicinn ciamar a chuireadh meigh (cuibhle) an fhortain car. Nan aicheadh i bhiodh i gu follaiseach air a maslachadh. Nan striochdadh i bha bhuaidh ac iomlan. Thaobh gur h-e so an t-am an robh a dan gu bhi air a sheuladh. Se cruaidhchas eagallach a bh’ann. Ach leis an t-sith shaimh a b’ionmholta dh-eirich i agus ghabh i h-aite aig an uidheam chiuil. An deigh tiotadh achosg ann an urnuigh uaigneach ruith i a meeran air na fuinn. Ann a sin le milseachd os ceann a bhi talmhaidh agus soluimteachd freagairt nam briathran sheinn i a cuideachadh a guth le comhnadh a chiuil na briathran a leanas. An so chan ait do shugradh fhaoin. Do dhochas na do eagal shaoghlta, Ma chaithear beatha cho faoin. Ma sheasas aig an dorus trath Am Breitheamh ’s clann nan daoin an lath’n. A chaithir gheal aom. Ge bith mar chaithear smuaintean luath Air minead aoibhneas no air truaigh Ach o nuair thig am b’as. Caite am faigh mi dachaidh bhuan Le aingle no le diabhlibh truagh, Mo shiorruigheachd m bi a fas. Cha n aridh ni air smuain an drast Ach faighinn as o’n darra bas Am bas nach sguir a chaoidh. Cionnas bhios mo thaghadh ciant ’S nuair chaitheas m-uine an so bhi dearbht Air luchairt meesg nan saoi. Iosa deonich boillsge ciuin Bi dhomh ad shlighe, bi dhomh ad iul, Don tir nach bi iad sgith. O sgriobh do sheula air mo chridh Is ceadaich thusa nuair thig a chrioch Gu m faigh mi triall an sith. (Ra Leantuinn.) CHAN EIL A LEITHID ANN.—Tha mise ’cleachdadh Hagyard’s Yellow Oil o chionn iomadh bliadhna, ’s cha d’fhuair mi a choimeas air son losgadh no gearradh. MARY A. COILETT. Erin, Ont. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 115] [Vol. 1. No. 40. p. 3] COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE. LE D. B. B. Anns an am a chaidh seachad b’abhaist do no Gaidhil agus do mhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an “Taibhsearachd,” no an “Da shealladh,” mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhna agus a deich, nuair a bha sgriobhadair so ’na ghiullan beag, ann am Muideart, ann an Gleann-Alladail, a’ fuireach anns an taigh far an do chaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus gu Gleann-Fhionghainn, far an do chuir e suas a’ bhratach ri crann anns a’ bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual e mu dheibhinn taibhsearachd, oir bha taibhsearan ann am Muideart gle lionmhor aig an am sin. Ann an Lochabar an deigh dha Muideart fhagail, bu tric a chul e iomradh air Coinneach Odhar am Fiosaiche, Taibhsear ainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h-Alba. Theagamh nach cuala moran de na Gaidhil a rugadh ann an Ceap Breatunn mu thimchioll so, agus air son fiosrachsaidh dhaibhsan faodar beagan aithris ann a’ phaipear so a reir a’ chunntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mu dheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime. Rugadh Coinneach mac Choinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile na Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh ciad-bliadhain diag, mu ’n am ann an robh Seumas a-Sia, bho Albainn, no Seumas-a-h-aon air Sassonn, ’na righ air Breatuinn agus air Eirinn us Manainn. Cha n ’eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean oige, ach a mhain nuair a bha e anns na Deugan, mun robh e fichead bliadhna dh’aois, gun d’fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b’ urrainn da innseadh ciod a thachradh san am ri tighinn. Fhuair e a’ chlach air an doigh so mar their cuid. Bha a’ mhathair feasgar araid, a reir a’ bheulraite, a’ buachailleachd a’ chruidh air an airidh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile na-Cille, an Uig. Mu mharbh-mheadhon oidhche chunnaic i a h uile uaigh sa’ chladh a’ fosgladh, agus domhlas mor sluaigh ag eirigh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho’n naoidhean gu san sean-athair liath, agus a’ falbh gach rathad as a’ chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h uaighibh a rithist agus dhuin gach uaigh mar a bhi i roimhe. Thainig mathair Choinnich am fagus do’n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gum bu bhoirionnach dalma, smiorail i, chuir i roimpe gum biodh fios aice carson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dhuineadh cach. Ruith i agus chuir i a’ Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghach (oir chual i nach b’ urrainn do’n spiorad dol air ais a steach do’n uaigh, cho fhad ’s a bhiodh a’ chuigeal tarsuinn oirre). An ceann beagan uine thainig ribhinn aluinn, a’ snamh troimh ’n iarmailt bho thuath, a dh-ionnsuidh a’ chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a’ mhnaoi. “Tog do chuigeal bharr m’ uaigh, ugus leig dhomh dol air m’ ais gu m’aros.” “Ni mi sin,” arsa an te eile, “ma dh’innseas tu dhomh ciod e a chum thu air dheireadh air cach.” Fhreagair an Taibhse, “Innsidh mi sin duit gun dail, bha mo thurus na b’fhaide na turuis chaich; oir bha agam ri dhol do Lochluinn a-Tuath (Norway). Is mise nighean Righ Lochluinn; bhathadh mi nuair a bha mi ’gam fhairigeadh san tir sin; thainig mo chorp gu tir air a’ chladach so shios fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan orm-sa agus mar dhuais duit fhein airson do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sonruichte luachmhor,—falbh agus sir, us gheibh thu anns an loch ud thall, clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d’mhac, Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thachras an deigh an am so.” Rinn i mar a dh’iarradh oirre, fhuair i a’ chlach, agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a’ chlach na thainig feart na fiosachd thuige, agus sgaoileadh a chliu mar fhiosaiche feadh na ducha. Bhiodh uaislean us islean a’ taghal air agus a’ tighinn thuige air son fiosachd. Ach tha iomad beulraite eile mu ’n doigh anns an d’fhuair Coinneach a’ chlach. Tha aon ag radh, gun robh e ’na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh dium aig bean-an-tuathanaich ris air son a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha sonruichte bha e a’ gearradh moine leis an torraisgein fada bho ’n tigh agus b’eigin an dinneir a chur thuige; chuir bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur as da. Ach mu n d’ thainig an dinneir shuidh e leigeil analach agus thuit e ’na chadal. Dhiusgeadh e le cabhaig, oir dh’fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e a lamh air, agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll ’na teis-meadhain. Sheall e troimh ’n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do ’n chu agus fhuair an cu am bas gu doruinneach. Tha beulraite eile ag radh gun robh e a’ gearradh moine agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a’ feitheamh gus an tigeadh a bhean fein d ’a ionnsuidh leis an dinneir, Thuit e ’na chadal, agus nuair a dhuisg e dh’fhairich e rud cruaidh fa cheann; fhuair e an sin clach bheag chruinn agus toll troimh a meadhon: thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a’ bhean aige fhein a’ tighinn d’ a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinseanadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a’ chloich, chaill e sealladh na sula leis an d’ amhairc e troimh an toll, agus bha e riabh tuilleadh cam, no aonsuileach, an deigh sin. Thu Aoidh no Uisdean Muillear ag radh, anns an Leabhar aige, “Scenes and Legends.” “Gun d’thainig a bhana mhaigstir d’a ionnsuidh le dinneir phuinseanaichte; fhuair i e ’na chadal air mullach sithein, agus an aite dhusgadh, chaill i a misneach, dh’fhag i am meadar, no a’ mhias, ri a thaobh agus thill i dhachaidh. Dhuisg esan, ach mun do ghabh e an dineir dh’fhairich e rud cruaidh ’na bhroilleach, chuir e lamh air agus thug e mach clachag chruinn bhoidheach leis an d’fhuair e fios mu’n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air. A reir gach raite tha e coltach gun robh a’ chlach ann, agus gun robh Coinneach ’ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Chan ’eil sinne a’ creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a’ chloich, ged a dh’fhaodadh i bhi na cloich mhin, bhoidhich, ghorm-gheil agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan boidheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuille. (Tuilleadh.) FIOS A BALMORAL.—Bha droch cnatan orm do nach d’rinn ni feum gus an d’fheuch mi Hagyard’s Pectoral Balsam, agus leighis e mi gu buileach. ROB MACGUAIRE, Balmoral, Manitoba. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 116] [Vol. 1. No. 40. p. 4] CLARSACH AN DOIRE. Ni iad-san aig a bheil a bheag no mhor de dh’eolas air bardachd Neill ’IcLeoid am Bard Sgiathanach, toileachadh ri chluinntinn gu bheil e’n deigh clo-bhualadh ur de orain a chuir a mach. Thanig an leabhar ur so a mach mu bhliadhn uir fo’n ainn “Clarsach an Doire.” Tha corr us tri fichead us deich orain ann; moran dhiubh cho binn, ceolmhor, sa gheibhear an obair baird sam bith, agus chan eil aon dhiubh nach fhiach a leubhadh uair us uair. Air a cheud taobh-duilleig gheibhear “An gleann san robh mi og” oran an sa bheil e ’g innse na “bha de sholas dhe gach ’seorsa” sa ghleann sin ’sna laithean a dh’fhalbh, agus an caochladh muladach a thanig air. Bha de sholas dhe gach seors’ ann ’Chumadh oigridh ann am fonn; Cha robh uisge, muir, no mointeach; Air an comhdach bho ar bonn; Ach an diugh tha maor ’us lann Air gach alltan agus ob; Chan’n eil saorsa sruth nam beanntan Anns a ghleann ’san robh mi og Tha na fardaichean ’n am fasaich, Far an d’araicheadh na seoid, Far ’m bu chridheil fuaim an gaire, Far ’m bu chardheil iad mu’n bhord, Far am faigheadh coigreach baigh, Agus anrach bochd a lon; Ach cha’n fhaigh iad sin ’san am so Anns a ghleann ’s an robh mi og. Chaochail maduinn ait ar n-oige Mar an ceo air bharr nam beann; Tha ar cairdean ’s ar luchd-eolais Air ann fogradh bhos ’us thall. Tha cuid eile dhiu nach gluais Tha ’n an cadal buan fodh ’n fhod ’Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd Anns sa ghleann ’san robh iad og. Agus tha e ’co-dhunadh an dain le Mo shoraidh leis gach cuairteig Leis gach bruachaig agus cos Mu’n tric an robh mi cluaineis ’N am bhi ’buachailleachd nam bo— ’N uair a thig mo reis gu ’ceann, Agus feasgar fann mo lo, B’e mo mhiann a bhi ’s an am sin Anns a ghleann ’s an robh mi og. Ann an oran eile da’n ainn “am faigh a Ghailig bas” tha e’g radh,— Tha moran sluaigh a’m beachd an diugh Nach eil ar canain slan, Nach fhad’ a chluinnear fuaim a guth, Nach teid i ’chaoidh na’s fhearr; Gu’m bheil an aont’a bh’aic’ air ruith, Nach tog i ceann gu brath; ’Sa dh’ain leoin buaidh Mhic ’Ille-Dhuibh Gum faigh a Ghailig bas. Ach cha’n eil e fhein dhe’n bheachd sin idir agus tha e cur an ceill a dhochas gu’m bi “a chainnt a dh’fhoillsich cliu nam Fiann, ’s an gaisgeadh dian ’s gach cas” beo fad iomadh bliadhna ’s linn ri teachd. Air reir coltais bha e’ coltach ri baird eile air uair-eigin gu trom ann an gaol. So rann ann sam bheil e ’g innse mar a tha ’n gaol ga fhagail. Ach ’s eagal leann gu bheil mi cli ’S gu’n deachaidh m’ inntinn cearr, Cha’n fhaigh mi fois air muir no tir, Chan eil mi tinn no slan; ’S cha’n eil ach dithis anns an sgir A bheir dhomh sith gu brath; ’S e ’n darra h-aon dhiubh sin a chill, No Sine Chalum Bhain. Tha dealbh an ughdain an toiseach an leabhair, agus a thuilleadh air orain tha aireamh de sgialachdan ann. Am measg chaich tha cunntas ath ghearr air Gilleasbuig Aotrom. Is leabhar e bu mhath leinn fhaicinn an lamhan gach aon d’ar luchd-leubhidh. Tha e air a chuir a mach le Archibald Sinclair, 10 Bothwell Street, Glasgow Scotland. A phris tri tastain us sia sgillinn, (3s. 6d.) leis a phosta. Cum air falbh tinneas le bhi gabhail K D C Bheir e ’n stamag gu bhi glan. Ni stamag ghlan slan thu. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a this thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [Nos. 41, 42, 43, 44 a dhìth] [TD 117] [Vol. 1. No. 45. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 1, 1893. No. 45. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha’n deigh mhor a stigh aig Sidni-a-Tuath agus bho’n a thanig i tha na sealgairean a marbhadh nan tunnagan-fiadhich gu pailt. Bidh fuachd gu leor aginn san aite so fhad sa bhios an deigh mhor nar coimhearsnachd. Thuit fear Michael Dolan Marbh an tigh na parlamaid feasgar na sabaid s’a chaidh. Bha e na fear-faire ’san tigh agus bha e dol air a chuairt ghnathichte nuair a bhuail am bas e. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois. Chaidh bean do’m b’ainm Mrs. St. John a mharbhadh am Montreal feasgar Di-ciadinn le each us carbad a ruith thairis oirre. Bha i coiseachd na sraide maille ri fear posda nuair a thanig an t-each oirre se air a chruinn-leum, a teicheadh le carbad, agus a ruith e thairis oirre ’ga milleadh gu dona agus ga marbhadh air a bhad. ’Se maireach Di-domhnich-na-Casga. Thanig e gu math trath air a bhliadhna so, cha b’ urrinn dha tighinn ach aon seachdain na bu traithe. Tha pios math dhe’n earrach romhinn fhathast, agus ma bheir sinn geill do’n t-sean-fhacal a tha fagail air an earrach fhad’ an deigh Casga “gu’ m fasich e na saibhlean,” bhitheamid coma ged a thigeadh a chaisg beagan na b’anmoiche. Feasgar Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, dh’fhalbh Mr. Wallace Steeves tuathanach a mhuinntir Coverdale, N. B. do’n choille a dh’iarridh barr spruis air son deoch a dheanamh. Cha tanig e dhachidh an oidhche sin ach cha do smaoinich iad san aig an tigh gu robh dad cearr ach gu’n deachidh e beagan air chall agus gum biodh e dhachidh trath ’sa mhadinn. Thanig a mhadinn co-dhiu gun e thighinn agus chaidh aireamh dhaoine mach ga shireadh. An deigh dhaibh siubhal mor a deanamh, fhuair iad an duine bochd marbh aig bun craoibhe. Air reir coltais thuit i a barr ua craoibhe far an robh e gearradh gheug agus bha e air a ghrad mharbhadh. Dh’ fhag e bean us dithis chloinne; dh’ eug dithis mhac dha deireadh an fhoghair leis an amhich-ghoirt. Bha e da fhichead bliadhna sa seachd a dh’ aois. Sen diugh “latha nan amadan.” Thoir an aire nach toir aon sann bith an ca asad! Na m feuchadh gach aon ri bhi cho glic ’s bu choir dha bhi an aite bhi feuchinn ri amadain a dheanamh de mhuinntir eile, cha b’ fhada bhiodh feum aginn air an latha so idir. Cha do sguir fir nan each luath’ de chur reisean fhathast. Tha’n deigh cho laidir sa bha i ’n teis meadhon a gheamhridh, agus tha gach duine aig am bheil eachreis a cuir roimhe an latha math a ghabhail fhad sa gheibhear e. Bha reis air a cur aig Sidni-a-Tuath an la roimhe eadar each le Mr. Logan sa bhaile sin us each le Mr. MacCoinnich ’ san Eilean Mhor. Bhuinig each ’Ic Coinnich an reis. Bha droch teine aig meinn Bridgeport Dior-daoin. Thoisich e am sa cheardich agus loisg e a chuid bu mo de na togalichean mu bheul na meine, a deanamh call mor. Bha na gualadairean sa mhein aig an am ach fhuaras an toirt a nios gun dhochann sam bith a dheanamh orra. B’ fheudar dhaibh na h-eich fhagail shios ach gu fortanach fhuair iad an teine chasg mu’ n deachidh e fad gu leor air adhart gu cron sam bith a dheanamh air duine no beathach. Chan eil fhios cia mar a thoisich an teine. Cha d’ rinn a mheinn ach toiseachadh o chionn da sheachdain, agus cumidh so i air ais a chuid a’s mo de’n t-samhradh a thuilleadh air aireamh mhor dhe na meinneadairean a chumail nan tamh. Tha fios a Victoria, B. C, ag innse dhuinn gun deachidh fear Donnachadh Mac-Leoid a thoirt a stigh do’n bhaile sin a Stevetson toiseach a mhiosa s’ a chaidh, ’se tinn leis a bhric. Bha fior dhroch mheur dhe’n euslaint sin air ach bha choltas air gun d’thigeadh e uaithe fad seachdain an deigh dha a bhi air a thoirt do’ n ospidal, ach an uair sin thoisich e air a dhol na bu mhiosa agus air an treas latha deug dh’ eug e. Bhuinneadh e do’n Eilean Mhor agus bha e da bhliadhna dheug thar fhichead a dh’ aois. Bha e ’an Columbia Bhreatunnach o chionn ceithir bliadhna, agus bha moran chairdean aige san duthich sin a bha uile ro mheasail air, agus a thaisbean am meas a bh’aca air le cruinneachadh an ceann a cheile nuair a thanig am bas air, gus a chuir fo’n fhod. [TD 118] [Vol. 1. No. 45. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 1, 1893. Tha aireamh no dha a dhith oirnn dhe’n MHAC-TALLA a thanig a mach air Feb. 18mh la. Duine sam bith aig am bheil an aireamh sin ’s nach eil air son a ghliedheadh cuireadh e thuginn e agus bidh sinn fada na chomain. Tha bruidhinn ac’ aon uair eile air an rathad iarinn a thogail gu Louisburg. Air an turus so tha e gu toiseachadh aig Port Hawkesbury agus dol a chumail taobh deas an eilean gus an ruig e seann bhaile nam Frangach; leis a chursa sin a ghabhail cha bhi e thar tri fichead mile sa deich a dh’ fhad, agus ceanglidh e ar baile-puirt geamhridh ri America gu leir. Tha iad san a tha gabhail na h-obair as laimh ag radh gu bheil iad a dol a thoiseachadh air gun dail. Ma bhios rathad-iarinn aon uair air a thoirt gu Louisburg ’se ar barail fhein gum fas e gu bhi na bhaile mor am beagan bhliadhnichean. Bha ’n rathad air a ghealltinn cho tric san am a dh’fhalbh, s gu bheil sinn car coma mu bhi ro gheur gus an sgeul ur so chreidsinn, ach ma bhios sinn beo, chi sinn. Bha Humbert, righ na h-Eadailt, a gabhail na sraide ann sa Roimh feasgar Di-sathairne sa chaidh, nuair a thilg duine da’n ainm Berardi clach air. Rinn na maoir greim air gun dail, thug iad leo e, agus fhuaradh gu robh e air a dhol as a cheill. Be’n leisgeal a ghabh e air son ionnsidh a thoirt air beatha ’n righ, gu robh fuath aige dha a chionn gu robh e na namhaid do’n phap. Tha E. MacCoinnich, Oil Springs,Ont., a sgriobhadh;—Dh’fheuch mise K. D. C. agus chan eil ni coltach ris. Bha mi gle dhona le droch stamaig agus dh’ fheuch mi gach leigheas a bha ri fhaotinn, agus gu dearbh nuair a thoisich mi air gabhail K. D. C. chuir e rioghnadh mor orm cho math sa bha e. Cho luath sa thoisich mi air chaidh mi na b’ fhean agus an uine ghoirid bha mi air mo ian leigheas. ORAN. A RINN DUINE ARAID AN AM TRIOBLAID. ’S trom an luchd ’tha mi giulan air m’ inntinn; Dh’ fhag e ’m aigneadh air chinnt ann an cas; ’S mi bhi ’smaointinn bho chionn cor agus bliadhna. Gur a mo tha mi crionadh na ’fas. Righ phriseil mar dean Thu ruim foirinn, Tha mi ’m priosan aig dorinn an sas; ’S tric m’ easlaint ag innseadh le deifir Gur fear-binn’ air mo bheatha-sa ’m bas. Is am bas ged a chidhinn e ’tighinn, Cha’n-fheil beo neach a chidheadh mo dheoir; On a chaill mi gach solas a bh’ agam, ’S nach fheil agam aon dad dhe mo threoir Chaol bhanaich mo lamhan ’s mo chasan, ’S air m’ aisnean cha’n fheil dad dhe ’n fheoil; Chaill mi uile mo dhreach agus m’ aogasg ’S gur tric m’ aodann a caochladh a neoil. ’S tha’n saoghal so caochlaideach uile, ’S mairg aon ’chuireas bun as a ni, Ann an anabharra saibhris no spionnidh O nach ullich iad sonas do’n chridh’ Fhad ’s a bhidheas an t slainte gun fhaighinn, ’S beag m’ aighear ri ni ’tha fo’n ghrein; Och, och, cha’n fheil saoidh gum da latha air, ’S mise ’dh’fhaodadh so raitinn rium fein. Bha mi greis ann am muirne le manran, Fhad ’s bha mi ga m’ arach ’m measg Ghall; Cha b’annas leam ceol no ol fiona, Mar- ri armuinn neo-chrios gun bh gann Cha robh aon ni ri ’fhaotuinn dhomh duilich Air an faodadh mac duine bhi’n geall; Ach ’s fhaide ’n t-seachdain an diu leam na bliadhna, Slainte ’s aighear air triall uam air chall. ’Sannair chall ’tha mo shlainte gu buileach Agus mulad ga m’ thathich dluth, buan; On a chaill mi gach solas a bh’ agam, ’S gur a leointe tha m’ aigneadh fo ghruaim, Nuair a shaoil leam ’bu teotha mo shamhradh Bhuin dudhlachd a gheamhradh rium cruaidh; Ghrad thionndaidh an saoghal mar fhaoileach, ’Srinn e dhomhsa gach caolas mar chuan. ’S ann mar luing ann an doruinn a tha mi, ’S fuaim brist’ aic, ri garirich nan tonn; Ann an socair no suidhe cha tamh dhomh Ach mar uighean ga’ n caramh air droll, ’Nuair ’bu tinne ’tigh’nn thugam a bhairlinn, Ga m’ shior udal a ghuath bharr mo bhonn ’Righ phriseil mur gabh Thu fhein truas rium, Tha do lamh ann san uair orm gle throm. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh, thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 119] [Vol. 1. No. 45. p. 3] GILLEASBUIG AOTROM. A “Clarsach an Doirre” Bha e ’na chleachdadh aig Gilleasbuig sgriob a thoirt gu tir-mor ’n uair a bhuaileadh e ’na cheann. Thachair dha bhi air latha Sabaid araidh ann an Gleann-seille, agus co dhiubh ’s e spiorad math no droch spiorad a chuir ’na cheann dol do ’n eaglais chaidh e innte. Ghabh e suas feadh na h-eaglais gus an d’ rainig e staidhir na cubaid Shuidh e aig bonn na staidhir gu socair stolda ’s a bhata fodh uchd. Shaoil leis a’ mhinistir choir gur ann bodhar a bha Gilleasbuig, agus ’s ann a ghabh e baigh mhor ris a’ choigreach a shuidh gu diblidh cho faisg air an eisdeachd. Bha gnothaichean a’ dol air aghaidh gu reidh riaghailteach car greiseig, gus an d’ thainig coig no sea de chiobairean le’n cuid chon a stigh. ’N uair a thachair na coin ri ’cheile thoisich iad air dranndan, agus bha na h-uile coltas air gu’n robh an aimhreit gu bhi air bonn. Cha d’ eisd Gilleasbuig an corr; ghabh e sios ’n am measg le ’bhata, ach an aite sith a chur orra, ’s ann a chuir e h-uile cu ’s an eaglais an claiginn a cheile. Cho robh am ministir fada caochladh a bheachd air Gilleasbuig. “B’ fhearr leam,” ars’ am ministir ris an luchd-dreuchd aige, “gu’n cuireadh sibh an duine truagh ud a mach as an eaglais.” “Cha ruig iad a leas an dragh a churr orra fhein,” arsa Gilleasbuig. “Tha mise fada gu leor an so, agus ma ’s e ceol feadaireachd tha ’n pailteas an sud dhe do shearmon—moran ’g a radh ’s beagan ’g a dheanamh; lath math leat, fhir mo chridhe.” Ghabh Gilleasbuig a mach, agus chunnaic e each ban an ceangal ri cairt aig ceann na h eaglais. Chan fhaca Gilleasbuig gniomh a b’ iomchuidhe na ’n rop a bha’ n crochadh ri clag na h-eaglais a cheangal ri earball an eich bhain. Chaidh e’n sin ’na shineadh ann an raoin arbhair a bha shios fodh ’n eaglais gus am faiceadh e ciod a thachradh. Cha do chur an t-each ban ear dheth fhad ’s a bha e ’faotainn criomadh faisg air, ach ’n uair a theann e ceum no dha mach, bhuail an clag buille, ’s thug an t-each ban leum as; agus ’n uair a thuig e gur ann ris fhein a bha ’n gnothach an ceangal, chaidh e gu upraid, agus ma chaidh thoisich an clag. Cha robh buille a bhuaileadh e nach toireadh crith air an eaglais. Mu dheireadh thoisich an coithional air tighinn a mach, agus a h-uile neach a thigeadh a mach bha e fuireach a muigh, gus mu dheireadh an robh iad a muigh air fad agus am minister air an ceann. Bha Gilleasbuig ag amharc orra le subhachas, agus e lan riaraichte leis a chodhunadh gus an d’ thug e seirbheis an latha. Bhiodh Gilleasbuig air a chomhdach ann an trusgan math mar ’bu tric—ad ard, deise dhubh, agus leine gheal. Bha uailsean an Eilein ’ga chumail daonnan ann an aodach math. Bha e mar sin ullamh air daoine do nach b’ aithn’ e a mhealladh, agus a thoirt orra ’chreidsinn gu ’n robh e rud nach robh e idir. Thainig e air lath’ araidh gu tigh ann an oisinn iomalaich de’n duthaich; bhuail e aig an dorus, agus dh’ eibh e “Co tha stigh?” “Cha ’n ’eil moran a stigh,” arsa bean an taighe, “thigibh air bhur ’n aghaidh.” “Am bheil duine stigh ach thu fhein?” arsa Gilleasbuig. “Tha,” ars’ ise, “tha Iain, fear an taighe stigh, ach tha e air an leabaidh.” “Ciod e tha ’cur air?” arsa Gilleasbuig. “Ma ta,” ars’ ise, “cha ’n ’eil mi fhin ro chinnteach, ach tha e air an leabaidh bho chionn choig bliadhna.” “Tha e tuilleadh a’s fad’ air an leabaidh,” arsa Gilleasbuig, “ach ’s e lighiche a tha annam-sa agus cha ’n ’eil fios nach dean mi feum dha.” “Nach mise tha taingeil,” arsa ’bhean bhochd, “bhur leithid a thighinn rathad an taighe.” “Cha d’ thainig a dheireadh ort,” arsa Gilleasbuig. “Ciod e ’tha agad anns a’ phoit sin air an teine?’ arsa Gilleasbuig. “Tha,” ars’ ise, “cearc a tha ’bruich do Iain.” “Cearc!” arsa Gilleasbuig. “Na’n toireadh tu dha cearc anns an t-suidheachadh anns an bheil e an ceart uair, bhiodh e cho marbh ri sgadan agad mu’n ruitheadh ceithir-uairean-fichead.” “Ach,” arsa Gilleasbuig, “thoir thusa dheth a’ chearc, agus thoir dhomh s’ i agus innsidh mi dhuit a rithist ciod a ni sinn ri Iain.” ’S ann mar sin a thachair. Thainig a’ chearc dheth agus dh’ ith Gilleasbuig air a shocair fhein i. “Seall tu ’nis,” arsa Gilleasbuig, “mar a ni thu ri Iain. Tha bo agad a mach aig ceann an taighe agus laogh og aice. Beir air an laogh agus dean feannadh-builg air, agus cuir seiche an laoigh air Iain, agus cuir fodh ’n bhoin e, agus mur a gabh i ris cuir a h-uile cu ’s a’ bhaile rithe mach air na creagan.” Thog a’ bhean bhochd a da laimh, agus thug i an dorus oirre dh’ iarraidh dhaoine; chunnaic i gu ’n robh a duine as a chiall. Ach mu ’n do thill i, thug an lighiche am monadh air. Ach an ceann latha no dha thill Gilleasbuig agus eallach air de gach seorsa,—im, caise, cearcan agus feoil. Dh’ fhag e sud aig a’ chaillich air son Iain, ’s cha do chuir an leigh an corr dragh oirre. Ach feumaidh sinn ar cead a ghabhail do Ghilleasbuig aig an am so. Ge b’e ionad anns am bheil a chomhnuidh tha dochas agam gu ’m bheil e sona. Tha mi creidsinn gu ’m bi iomadh latha agus linn mu ’m bi gaire subhach, sunndach luchd-aiteachaidh Eilean-a’-cheo air a dhusgadh le a leithid a rithist. LEIGHEAS AIR CASADICH.—Chan eil leigheas ann ann sam bheil uiread leighis sa th’ann an Dr. Wood’s Norway Pine Syrup. Chan eil casadich, cnatan, cuing, tuchadh, cuing no enslaint dhe’n t-seorsa sin ann air nach toir e buaidh gu h-ealamh. Tha Dr. Buchanan air beulaobh an luchd-ceartis ’an New York air an t-seachdain so air a choireachadh air son bas a mhna. Tha e air fhagail air gun do phuinnseanich e i air son a faighinn as an rathad, oir bha toil aige te eile phosadh, rud a rinn a beagan uine ’n deigh a bais. Bha aireamh fhianisean air an ceasnachadh agus bha cuid dhiubh gle laidir na aghidh. Air reir a h-uile coltais theid an gnothach gu math searbh na aghidh aig a cheann mu dheireadh, ach tha e tuilleadh us trath san latha fhathast gu fhios ceart a bhi air de bhreith a de’fhaodas a bhi air a thoirt air. Tha e air a radh gu bheil an dotair ga ghiulain fhein ann an tigh-na-curtach mar gum biodh e caoin-shuarach mu na tha dol air adhart no de a chrioch a thig air a chas. CARAID AN AM FEUMA. Tha caraide an am feuma aig gach aon aig am bheil botull de Hagyard’s Yellow Oil faisg air laimh air son bruthidhean, gearridhean, losgadh no ni dhe’n t-seorsa sin, loine amhach-ghoirt &c. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 120] [Vol. 1. No. 45. p. 4] COINNEACH ODHAR. Dh’ orduich a’ Bhan Iarla Coinneach a ghlacadh a cheangal, eadar lamhan us chasan, agus a ghiulan gu Rugha na Cananaich, far an do thilgeadh e an coinneamh a chinn ann am baraille tearra bha dearg-losgadh, agus, aig an robh a thaobh a staigh lan spicean fada iariunn, biorach geur, a bhuaileadh troimhe bho’n taobh miugh. Rinneadh an ni eagallach so le ughdaras Easbuig Rois, agus cleir na h-Eaglais Easbuigich, a bha air a suidheachadh aig an am ud, mar Eaglais na Rioghachd an Albainn, le Righ Tearlach a Dha. Air an dearbh latha air an do chuireadh Coinneach air falbh bho Chaisteal Bhrathainn thainig Iarla Shi-phort dachaidh as an Fhraing, agus dh’ innis iad da air ball an ni a rinn a’ Bhan Mhorair mu Choinneach, agus gun robh e nis air a thurus a dh’ ionnsuidh na Cananaich le ordugh na Cleire gu bi air a losgadh. Bha deagh fhios aig a’ Mhorair air nadur dioghaltach ain-iochdmhor na Ban-Iarla. Chreid a gun robh an sgeula fior, seadh tuilleadh us fior. Cha d’ iarr ’s cha do ghabh a biadh no deoch, cha do ghairm e air sgalaig no gille-stapuill, ach chiadh e fhein le cabhaig a dh-ionnsuidh an stapuill, chuir e diollaid air an each a b’fhearr a bha ’na ghreigh, leum e air a mhuin, agus dh’fhalbh e leis an each ’na dheannsruith, ’g a ghreasad cho luath ’s a b’urrainn da, an duil gun ruigeadh e Rugha na Cananaich, mun rachadh an t-innleachd diabhlaidh a dheilbh a Bhan-Iarla agus a’ chleir Easbuigeach a chuir gu buil, cha do mharcaich Iarla Shi-phort riamh roimhe cho luath no cho dian. Ann am beagan uine bha e am fagus do’n Chananaich, agus chumaic e smuid dhubh thiugh ag eirigh suas bho’n Rugha gu h-iosal. Thainig gairisinn na fheoil, bhruchd am fallus fuar a mach troimh a chorp, chuir e spuir ris an each a bha cheana an impis toirt thairis, a chum gun ruigeadh e an t aite bais, gu beatha an fhiosaiche a shabhaladh. Mar uighe beagan shlat bho’n aite far an robh an smuid ag eirigh thuit an t-each air an lar agus thug e suas an deo oir cha b’ urrainn da a’ chruaidh-spairn a sheasamh na b’fhaide leis mar a bha an t-Iarla ’ga chur thuige ’s ga sporadh air adhart. Nuair a chaill e an t-each ruith an t-Iarla gu dian air a’ chois, ag eigheach a mach le airde a ghuth, ris an t-sluagh a bha cruinn air an Rugha, iad a thearnadh beatha an fhiosaiche. Ach mo thruaighe bha e tuilleadh us anmoch. Cia dhiu a chuala no nach cuala an sluagh glaodhaich ard an Iarla, bha Coinneach Odhar air a thilgeadh anns a’ bharaille loisgeach, beagan mhionaidean mun do rainig Iarla Shiph-ort an t-aite gus a theasairginn. Air an doigh so chriochnaicheadh beatha an fhiosaiche, agus cha’n ’eil e coltach gun rachadh an sgeula ud a dhealbh mu bhas mur tachradh an ni mar a chaidh aithris. Nan d’fhuair Coinneach bas nadurra ’na leabaidh, cha ghabh e creidsinn gun rachadh an sgeula truagh ud a dheilbh no chur air chois. Ach ciod a their sinn mu luchd-dreuchd Eaglais a thug gnuis da leithid sud de ghniomh oillteil, agus a dh’ aontaich ris. Bha iad air son a’ Bhan-Iarla a thoileachadh gu cinnteach, ach anns na linnibh dorcha sin bha e ’na chleachdadh a bhi losgadh nam buitseach agus nam fiosaichean, agus is iomadh creutair truagh a chuireadh gu bas fo’n chuis-dhitidh so, aig nach robh tuilleadh buitseachd na tha aig an lair ghlais. Bheir sinn cunntas a nise mar a thainig faisneachd Choinnich Uidhir gu teachd mu thimchioll teaghlaich Iarla Shi-phort, faisg air ciad gu leth bliadhna an deigh bhi air a labhairt. Ach fagaidh sinn gu aireamh eile an ni so. D. B. B. (Tuilleadh.) AN AMHINN DHEARG.—’Se amhinn dhearg na beatha ’n fhuil, coltach ri aimhnichean eile chan eil a dhith oirre ach B. B. B. gus a glanadh gu h-iomlan agus a bheir air falbh gach droch ni a tha leantuinn na lorg. BAIS. Aig Raddeck, an 17mh la dhe’n Mhart, Catriona Nic Rath, bean Dhomhuill ’Ic Rath us nighean Iain Mhathanich, Hogamah. Bha i 26 bliadhna dh’ aois Aig Taobh Deas nan Narrows Bheaga an 5mh la dhe’ n Mhart, Iain F. MacLeoid, 71 bliadhna dh aois. Rugadh e ann an Leodhas, an 1822 agus thanig e do’n duthich so an 1841. Dh’fhag e bean us ceathrar chloinne. Na gabh purgaid air son droch stamag a leigheas. Cha phurgaid idir K D C Glanidh agus neartichidh e an stamag gun lagachadh sam bith a dheanamh. Feuch K. D. C. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [No. 46 a dhìth] [TD 121] [Vol. 1. No. 47. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 15, 1893. No. 47. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Ann an caochladh aitean an New York tha’n sneachda bho cheithir gu sia traighean a dhoimhnead ann sna coilltean. Ann an aon bhaile ’n Australia, tha e air a mheas gu’n do chailleadh fiach coig muilleanan deug leis na tuilltean. Tha Cuirt na Siorramachd na suidhe sa bhaile air an t-seachdain so. Cha do shuidh i cho trath so sa bhliadhna riamh roimhe. Bha fear Deorsa Brown a mhuinntir Eilean a Phriunnsa air a bhathadh an la roimhe faisg air Cape Cod far an robh e ’g iasgach. Ranig sia soirbichean-smuide Halifacs air an t-seachdain so luchdichte le luchd-imrich. Bha tri mile ann uile gu leir agus tha tuilleadh a tighinn. Rinn an soitheach-smuid Stanley a ceud thurus air an earrach so eader Pictou us Charlottetown Di-sathairne s’a chaidh, agus tha i nise ruith air an astar sin a a h-uile latha. Tha’n deigh gu ire bhig an deigh an caolas fhagail. Air an turus mu dheireadh a rinn an St. Pierre eadar Halifacs us Newfoundland, bhuail i ann an soitheach seolidh a thanig na rathad agus rinn i milleadh mor oirre. Cha d’rinneadh dochann sam bith air a St. Pierre fhein. Tha luchd riaghlidh Chanada an deigh cordadh a dheanamh ri cuideachd Shasunnach air son soithichean smuide chuir eadar Columbia Bhreatunnach us Australia. Air son na seirbhis so tha iad a dol a dh’fhaotinn corr us sia fichead mile dolair ’sa bhliadhna. Bha stoirm mhor thairneanach ann air madinn na Sabaid s’a chaidh, cho trom sa dh’fhairicheadh s’a chearna so de’n eilean o chionn aireamh bhliadhnichean. Bhual an dealanach tigh aig Reserve Mines, agus ghabh e teine, ach fhuaradh a chur as mun d’rinn e call sam bith. Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dh’fheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an d’iarr caraide orm K. D. C. a ghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha d’fhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h uile. Bha stoirm ghabhadh ann an Ontario Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha craobh an us taighean air an leagail, agus bha buird us maidean air an tilgeadh mu’n cuairt mar na sopan. Cha robh leithid de stoirm an a chionn iomadh bliodhna. Di-haoine s’a chaidh, fhuaireadh iolaire mharbh air an deigh air Amhinn Annapolis. Thomhaiseadh i agus bha i seach traighean us ochd oirlich eadar barr an da sgeith, da throigh us tri oirlich mu’n cuairt de h-uchd, agus tri traighean us seachd oirlich bho’n ghob gu barr an earbuill. Chaidh duine da’m b’ainm Murchadh MacFhionghain a mharbhadh ann am Meinnean Gardiner Di-mairt. Bha e ’g obair air gearradh guail nuair a thuit cnap mor air a mhuin a mharbh e. Bu duin og e a mhuinntir Challum-Chille agus cha d’ rinn e ach tighnn do’n mheinn beagan laithean roimhe so. Di-luain, am treas latha dhe’n mhios dh’eug an t-Urr D. Camaran, sagart Amhinn Bhourgeois, an deigh sarachadh mo fhaighinn le tinneas. Rugadh e am Mabou, agus air dha dhol troimh churs colaisde bha e air a shuidheachadh ma shagart air Amhinn Bhourgeois, far ’n d shaothrich e gu am a bhais, ’s far ’n do choisinn e mor meas bho na h-uile. Feasgar Di-sathairne s’a chaidh, dh’eug an t-Urr. Eachunn MacCuaire, aig Leitches Creek. Bha e na mhinisteir ann a chothional sin o chionn aireamh bliadhnichean, agus bha e ann am mor mheas aig an t-sluagh. O chionn bliadhna no dha dh’fhuiling e moran le tinneas, agus e call a radhirc. Rugadh e faisg air Mabou far am bheil aireamh de chairdean da a tamhachd fhathast. Fhuair sinn fios o Loch Ainslie a tha ’g radh gun deachidh fear Ailean Mac Fhionghain an sas san deigh aig Rugh ’Ic Isaac, Diluain s’a chaidh, agus gun ri chaill e each fiachail a bh’aige. Bha e pios math bho thir ’s bha stoirm mhor ann aig an am air chor ’s nach cluinneadh iad san a bh’air tir e g eigheach air son cuideachadh. B’fheudar dha an t-each fhagail bhuaithe ach mun dug e mach tigh bha ’dha laimh air an reothadh cho dona ’s gu bheil e coltach gun caill e iad. [TD 122] [Vol. 1. No. 47. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 15, 1893. Tha feill an t-saoghil ri bhi air a fo sgladh air a cheud la dhe’n ath mhios le Mr Cleveland, ceann-suidhe nan Staitean. Tha moran de nithean annasach ri bhi air an fheill so agus ma theid gach ni gu ceart chan eil teagamh nach i feill is mo greadhnachis a chunnic an saoghal riabh. Tha na tha ri fhaotinn de shliochd Cholumbuis a fagail na seann ducha an duigh gu bhi lathir aig fosgladh na feille, ni a tha gle iomchidh on a thatar ’ga cumail mar chuimhneachan air an sinsear. Tha deich mile de chleasichean air an turus a China a dol a shealltinn an cleasan do mhuinntir America ’s na Roinn-Eorpa. Tha aireamh de dh’Escimos air an larich cheana us baile beag aca air a thogail mar a bhiodh aca nan duthich fhuar, thuathach fhein, agus tha iad a cur seachad an uine air a cheart doigh sa bhiodh iad aig an tigh, ach a mhain nach eil cead aca suibhal sam bith a dheanamh. Tha iad air an cumail, mar gum beadh ann an cro, as nach faod iad a dhol a mach a la no dh’oidhche, agus tha iad a fas gle mhi-thoilichte le’n caramh. Tha mar an ceudna bailtean beaga de dh’ Innseanich ri bhi ann, ann sam faic gach aon a theid ’gan amhorc an cleachdidhean ’s an doigh air tighinn beo cho math ’s ged a chitheadh e iad ann so choille no air a phrarie. Ma bhios an samhradh fabharrach chan urrinn teagamh a bhi nach bi feill an t-saoghil, mu’n tig i gu crich, lan airidh air an ainm. Tha aon ni ann a tha ’bagirt milleadh a dheanamh air Feill an t-saoghil, se sin an colera. Tha’n galair sgriosail sin ag ath-bheothachadh ri blaths an earrich agus a togail a cinn ’an caochladh ait ean air feadh na Roinn-Eorpa. Re an da sheachdain chaidh seachad dh’eug corr us leth-cheud ann sa Fhraing leatha agus bha corr us dha cheud ann an aon bhaile air am bualadh as ur. Chan eil Ruisia ciubhetas i nas mo, agus tha i mar am ceudna ann a Hamburg. Ma gheibh i ’n lamh an uachdar san Roinn-Eorpa aon uair bidh e gu math duilich a cumail a America. CUMHA DO DH’FHEAR FHARBRAINN. Is sgith mi ’g amharc an Droma, ’Sa bheil luchd nan cul donna fo leon, Ann am Farbrainn an tuir so A dh’fhag silteach mo shuilean le deoir. Lot as ur tha mi ’gearan. Do bhas, a Ruari Mhic Alasdir oig; Bu tu dalta rige Alba, Bu tu dligheach air Farbrainn le coir. ’S ionnadh cridhe bha deurach ’Nam dol fotha na greine Diluain. Aig a chachaileith ’n de ’S an deach na h-eich is na seis a thoirt uaibh, Shil air suilean do pheidse, Sud an acaid a leum air gu cruaidh. Och ’s ann ann a bha ghair bhochd ’S iad ’gad thogail air ghairdean an sluaigh. ’Nam sgaoileadh nam macibh Gum biodh uaisl’ agus beachd riut a fas. Cha bu chubaire gealtach. Ach fear curamach smachdail thu ’ghnath. Air bhi ’tional bho ’n tuath dhuit Cha b’ann agartach cruaidh mu na mhal; Bhiodh na bochdan ag eigheach Gun robh fortan Mhic De dhuit an dan. Gur a tursach am bannal A tha ann san tur’ mheallach a tamh; Tha do bhaintighearn og gallach. An bhean uasal chuir ’n fharasda thlath; Tha do pheathrichean deurach, ’S tric an cuailean gun reiteach an drast, Mur h-’eil Coinneach ri’fheudainn, Theid a’ choinneal a threigsinn gun smal. Na’m bu daoine le ’n ardan A bhiodh coireach ri d’fhagail ’sa chill, Mur a marbht’ ann am blar thu ’Casgadh maslaidh is taire do ’n righ, Cha n ’eil duine no paisde ’B’ urrinn biodag a shathadh no sgian, Nach biodh uii’ air do thorachd Eadar Cataobh ’s caol Ronach nan ian. Dh’eireadh leat fir a’ chruadail, Thig MacCoinnich ’sa sluagh leat an nall Thig bho Leodhas ’s h-Earadh, Cinn-taile, Loch Carunn, ’S Loch-Aills.’ Bu leat armuinn na Comrich Agus pairt de dh’fhir dhonn Innse-Gall. Mar sud is siol Ghille-Chaluim, ’S iad a dioladh na fala gu teann. (Tuilleadh). DR. WOOD’S NORWAY PINE SYRUP.—Leighsidh Dr. Wood’s Norway Pine Syrup casadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, ’s don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull. Tha gille og ann an Cleveland, Ohio, a mharbh gille eile air son uaireadair us gunna bh’aige fhaotinn. Chan eil e ach aona bliadhna deug a dh’aois, agus tha e ri bhi san tigh-oibreach fad choig bliadhna fichead. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT. TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh, thu cho saor agus cho math aig an tigh. D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 123] [Vol. 1. No. 47. p. 3] CAILLEACH NAN CNO AGUS TAILLEAR NAN CLAR. Bho chionn iomadh bliadhn’ air ais bha cailleach mhor fhiadhaich a chomhnuidh ann an aon de ghlinn na Gaidhealtachd, aig an robh ainm a bhi comharraichte air buidseachd; agus a bhi ann an lan cho-chomunn ri spioradan dorch’ an t-saoghail thall. Am measg gach buaidh eile a bha air a’ chaillich, bha gaol mor aice air cnothan. Bhiodh poca chno aice an crochadh air stob faisg air an teine a h-uile latha ’s a’ bhliadhna, bho’n d’fhuair i ’n t-ainm “cailleach nan cno.” Cha robh each a rachadh le creig, no bo a chailleadh a bainne, no maighdeann a chailleadh a leannan, nach b’ i cailleach nan cno a rinn sud. Cha robh bodach a rachadh a dh’ iasgach mur a marbhadh e iasg an latha sin, ma thachair i ris air fhalbh, b’i cailleach nan cno a rinn sud. Ach mu dheireadh thall dh ’fhas cailleach nan cno anabarrach tinn, agus bha e gle choltach gu’n robh am bas oirre. Agus thug i aithne theann dha ’cairdean, ma ’s e agus gur e’m bas a bh’ann, iad a bhi cinnteach us am poca chno a thiodhlacadh aig a ceann. ’S ann mar sin thachair, bha eagal aig a cairdean roimpe beo agus cha robh iad cinnteach aisde marbh; agus a reir a h-aithne chaidh am poca chno a thiodhlacadh aig a ceann. Ach bha gille tapaidh a choinnuidh ’s an aite aig nach robh moran creidimh ann am feartan na caillich. Agus thuirt e ris fein oidhche dhe na h-oidhcheannan, gu’m bu bhochd na cnothan math a leigeil a dholaidh aig ceann na caillich. An uair a ghabh an teaglich mu thamh ’s ann a thog mo bhalach a shluassid air a ghualainn ’s dh’fhalbh e a thogail nan cno. Agus mar a bha e teannadh faisg air a’ chladh, co thachair ris ach droch dhuine a bha anns an aite aig an robh ainm a bhi ’n a mheir leach math chaorach, agus thainig iad cho dluth air a’ cheile anns an dorcha ’s nach robh cothrom aig a h-aon aca tarruinn air ais. “Ho lo!” arsa meirleach nan caorach, “C’aite an ainm an Aidh a’bheil thu dol mu’n am so dh’oidhche le do shluasaid? “C’aite air bith am bheil mise dol,” arsa gille nan cno “tha mi tuigsinn comharraiche math c’ aite ’bheil thusa ’dol. ’S ann a’ ghoid moilt a tha thu dol.” Agus bho na thachair sinn ri ’cheile ’s gun a h-aon againn air gnothach ro mhath, innsidh mise dhuit far am bheil mi fhin a’ dol. Tha mi ’dol a thogail poca chno na caillich, agus ma bheir thusa dhomh-sa dara leth a’ mhoilt a ghoideas tu, bheir mise dhut-sa dara leth nan cno.’ “Cha bhi ’n corr air a chuis,” arsa meirleach nan caorach, “gheibh thu sin.” “Falbh, ma ta,” arsa gille nan cno, “agus fiach am faigh thu molt math, agus suidhidh mise anns a’ chladh a’ toirt cnac air na cnothan gus an till thu.” Fagaidh sinn a nise meirleach a’ mhoilt agus gille nan cno air ceann an gnothaich fhein agus bheir sinn suil car tiota beag air taillear nan clar. ’S e crioplach a bha ’n taillear nan clar aig nach robh lugh ’na chasan. Bhiodh clar beag fiodha aige fodh gach bois agus fodh gach gluin, agus air an doigh sin dh’fhalbhadh e air a mhagan bho thaigh gu taigh far am biodh taillearachd aige ri ’dheanamh. Agus mar bu tric le taillear a bhi math air innseadh seann sgialachdan, cha robh eadar da cheann na duthcha na bheireada barr air taillear nan clar anns a chuis sin. (Tuilleadh.) Tha aon de paipearan na Gaidhealtachd a thoirt thuginn sgeula beag mu eilean Iort a tha mochdadh gu bheil an t-eilein aonranach sin air uairibh cho fad air chull an t-saoghil ’sa bha e riabh. Bha croitear araidh ag obair air cladach Uibhist air an t-seachdain s’a chaidh nuair a chunnic e rud-eigin a snamh air an uisge faisg air. Thug e gu tir am pasg u bh’ann agus air-dha fhosgladh, fhuair e an sin gu tioram, seasgir, coig litrichean agus coig sgillinnean ruadha, Bha mir de phaipear ann mar an ceudna air an robh sgriobhadh ag iarridh air co air bitha gheibheadh am pasg na litrichean a chur don oifig-phost a b’fhaisg air laimh, rud a rinn an croitear coir gun dail. Bha na litrichean gu cairdean ann an Glascho ’s ann san Eilean Sgiathanach. Cha tug am pasg ach beagan us seachdain eadar Iort us Uibhist astar thri fichead mile. Bhuail an carbad-iarinn fear Seumas Howley faisg air Sidni, oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, agus bha e air a mhilleadh cho dona ’s nach robh duil ri e bhi beo gu so. Bhe e air a chuir fo laimh nan dotairean cho luath sa ghabhadh iad faotinn agus le’n curam tha e dol beagan am feabhas, air chor ’s gu bheil duil ri e bhi fhathast cho slan sa bha e riabh, ged nach urrinn fios a bhi air gum bi a thur fhein aige ’m feasda tuilleadh. Bha’n duine bochd air an daorich aig an am a thachir an sgiorradh dha. Aig Sussex N. B., Di-sathairne s’a chaidh, loisgeadh sabhal le Walter Mac-Monagle, agus chailleadh gach ni a bha na bhroinn. Bha ochd cinn deug cruidh ann, leth cheud tunna feoir, sia ciad buiseal buntata agus aireamh mhor de charbadan ’s de dh’innealan tuathanachis ’s chaidh iad uile nan smal. B’fhiach an sabhal ’s na bh’ann sia mile dolair, cha robh airgiod urrais air idir. Orain Thaghta Albanach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an leabhar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can. Tha teampull ur nam Mormonach aig Salt Lake City a chaidh thogail mar chuimhneachan air Brigham Young, a nise air a chriochnachadh agus bha e air fhosgladh Di-domhnich s’a chaidh. Tha’n togalach greadhnach so naoidh fichead traigh ’sa sia ardh’fhad, ceithir fichead traigh sa naoidh deug a leud, agus chosd e cor us coig muillean dolair. CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS.—A Dhaoin’uaisle,—Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh le tri botuill de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna. MRS. DAVIDSON, Winnipeg, Man. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 124] [Vol. 1. No. 47. p. 4] TURUS-FAIRGE DO AMERICA. Air a Bhliadha 1856. Air feasgar Di-Ciaduin a’ cheud la de April chaidh mi air bord luinge d’am b’ ainm “An Lunnduinn” aig Glascho, a bha gu seoladh as an aite sin gu baile Phictou ann an Albainn Nomha (Nova Scotia), agus mu cheithir uairean sa ’mhaduin Diardaoin an 2mh la April thog sinn ar n-acraichean, agus dh’fhuasgail sinn bho’n chala aig baile Ghlascho; mar sinn dh’ imich sinn air ar n-aghaidh. Thairngneadh a mach sinn le bata-toite a rinn ar tobhadh a mach gu beul Chluaidh cho fada ri Eilean Arainn. Mu naoidh uairean sa’ mhaduin chaidh sinn seachad air Grianaig ach cha do thaoghail sinn aig a’ phort sin, oir ghabh sinn seachad direach air ar n-aghaidh a Glascho gun stad. Mu cheithir uairean san fheasgar rainig sinn mu choinneamh Eilean Arainn, agus an sin thill am bata-toite air a h-ais. Aig an am so bha sinn am fradharc na creige moire sin ris an abrar Ealasaid a’ Chuain. Bha i na suidhe thall mu’r coinneamh san airde deas, cosmhuil ri seann chaillich ’na gurradan air uachdar nan tonn, falt lia-ghlas a sios m’a guailnibh, agus ianlaith na mara ri guileag agus sgriachail m’a timchioll. Bha neul na h-aoise air a gnuis bhric agus bu leur a bhlath air a h-aogus duaichnidh, gun deachaidh iomadh sion agus stoirm us geamhradh thairis air a ceann. Ghabhadh a h-aois innseadh bho a h-aodunn riabhach, leacach; agus bho’n chiad latha a shuidh i sios air uachdar nan tonn ann an dorus Chluaidh, is iomadh linn agus ginealach de chlainn nan daoine chunnaic i a’ gabhail thairis bho’n talamh a dh’ionnsuidh na siorruidheachd. Nuair thill am bata-toite thog sinn na siuil ris an luing, agus air ball dh’eirich feochan de ghaoith ghreannaich bho’n airde ’n ear-thuath a rinn ar n-iomain a mach gu grad eadar Eirinn agus Maol Chinn-tire. Mu bheul an anmoich bha sinn eadar an da aite so; chaidh mise a laidhe mu dheich uairean; ach an deigh mheadhon-oidhche sheid a’ ghaoth na bu treise, agus mu bhriseadh na faire bha i ’na greann ghaoith laidir ag at suas na fairge ’na tonnaibh ceannghlas. A thaobh gun robh i a’ seideadh ’nar cul cha robh sinn fada a’ call seallaidh air fearann agus an ceann cheithir uairean fichead bho’n a dh’fhag sinn Grianaig, bha sinn corr agus ciad mile an iar bho Eirinn. Nuair a dhuisg mise anns a’ mhaduin Di-haoine bha mi gam thulgadh agus ’gam thonn-luasgadh bho taobh gu taobh, air mo leabaidh, agus bha mi anabarrach tinn leis an tinneas-mhara. Cha b’urrain mi biadh sam bith itheadh, do bhrigh gun robh mi diobhairt a h-uile ni a bha ’nam chom, gu ruig an domblas uaine. Ach mu mheadhon-latha thug an caiptean domh glaine de bhranndaidh agus briosgaid, an deigh sin chaidh mi am feobhas, agus cha d’fhairich mi tuilleadh de thinneas-na-marra gus an do rainig mi America. Nuair a dh’ol mi ’m branndaidh chaidh mi air clar-uachdar na luinge a bheachdachadh air an t-side, agus thug mi suil mu’n cuairt domh air “cuan meam nach nan dronnag,” a bha ag eirigh suas ’na bheanntaibh liaghlas mu thimchioll na luinge. Bha n “fhairge ’ga sloistreadh ’s ’ga maistreadh troimhe cheile,” rgus air uairibh dh’eireadh an long air bharr nan croc ceannghlas, ionnus gan robh mullach nan crann a’ beantainn ris na neoil, air uairibh eile thuiteadh i sios le aon slugadh anns na gleanntaibh dughorm ionnus gun saoilteadh gum buaileadh a sail air an aigeal. Bha a’ ghaoth a’ seideadh gu cruaidh, sgalanta, bho’n ear-thuath, agus mar sin rinn i ar greasad air ar n-adhart a chum na tire ris an robh ar n-aire. Cha robh ni againn ri dheanamh ach ruith roimh ’n ghaoith agus mar so dh’iomaineadh sinn air ar n-adhart. (Tuilleadh.) D. B. B. FAOCHADH US LEIGHEAS.—Dh’fheuch mise Hagyard’s Pectoral Balsam air son casadich us cnatan, agus bheir e faochadh dhomh am beagan uairean, agus ni e leigheas cinnteach. Cha bhithinn as aonis idir. MRS. ALFRED VICE, Berlin, Ont. A reir coltais ’se ’n t-earrach so earrach cho fad air ais ’sa chunnic Manitoba o chionn fhada. Cha deanar fuil mhath le droch stamaig Ni K D C fuil mhath le ’n stamag a ghlanadh ’s a thoirt gu riaghilt. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” [TD 125] [Vol. 1. No. 48. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 22, 1893. No. 48. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Bha ’n t-Onarach Padrig Mitchell, a dol gu New York an latha roimhe, agus air an rathad thugadh sia fichead dolair as a phocaid. Bha crith-thalmhinn mhor Di-luain s’a chaidh ann an Zante, eilean beag a bhuinneas don Ghreig. Rinneadh milleadh mor air taighean, bha na bailtean cha mhor gu buileach air am tilgeadh bun os cionn, agus chaidh aireamh mhor sluaigh a mharbhadh ’s a leonadh. Chaidh duin og da’m b’ainm Seumas McGaughey a bhathadh an la roimhe ann an loch uisge an Eilean a Phriunnsa. Bha e fhein us gill’ eile an deigh tunnag a mharbhadh air an loch, agus nuair a dh’fheuch iad ri ’glacadh bhrist, an deigh fopa agus chaidh McGaughey a bhathadh. Bha Padrig Haley seann duine ann am Montreal ag aire corp a mhna an oidhche roimhe, nuair a ghreimich an teine bho na coinnlein air an aodach a bha mu’n chiste-laidhe. Thoisich e air an teine chuir as, ach mhuch an ceo e, agus mun d’ ranig cuideachadh bha e air a losgadh gu bas. Bha stoirmeannan gabhidh anns na Staitean an iar air an t-seachdain s’a chaidh. Bha moran bhailtean air an sguabadh air falbh, aireamh mhor sluaigh air am marbhadh, agus fiach moran airgid air a mhilleadh. Di-mairt s’a chaidh, thanig cuairt-ghaoth air baile Chourdrey a mharbh seachdnar dhaoine agus a leon moran eile. Tha sgeul iongatach a tighinn thuginn a Ontario. Bha bean da’m b’ainm Boyer air an danig bas athghearr air a sineadh a mach deiseil gu bhi air a h-adhlacadh ann an cearn iomallach de’n duthich. Beagan uairean roimh ’n am a bha i gu bhi air a giulain air falbh, dh’eirich i gu grad as a chiste-laidhe ’s choisich i air falbh. Tha i ’n diugh gun chnead tinneis oirre, cho slan ’s cho fallain ri bean san duthich. Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dh’fheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an d’iarr caraide orm K. D. C. aghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha d’fhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h uile. Chan eil dithis righrean san Roinn-Eorpa no ma dh’fhaoidte air an t-saoghal aig a bheil cumhachd cho mor os cionn an cuid iochdaran ’sa tha aig Sultan na Tuirce ’s aig Sar Ruisia. Chan eil aona chuid beatha no cuid duine sam bith tearuinte sna duchannan sin ma dhuisgear fearg an impire na aghidh. Tha moran de dh’iochdarain an t-sultain nan traillean aige, agus tha moran de dh’iochdarain an t-sair air an caradh na’s miosa na bha traillean riabh. Ma tha e comasach do dhuine bhi air a dheanamh sona le ’leor dhe thoil fhein a thoirt da air math no olc a dheanamh, bu choir da’n t-sultan ’s don t-sar a bhi cho sona ’sa tha’n latha cho fad. Ach an aite sin ’s ann a tha iad le cheile fo eagal am beatha a h-uile latha dh’eireas iad. Chan eil seachdain a dol seachad gun sgeul ur a thighinn thar a chuain mu cheannairc eigin a rinneadh no dh’fheucheadh ri dheanamh nan aghidh. Tha na nihilich ann an Ruisia cho laidir ’s cho cealgach sa bha iad riabh, agus an drasda sa rithist a nochdadh do’n t-sar nach eil iad idir ’ga leigeil air di-chuimhn’. Air do’n t-sar a bhi na suidhe san luchairt-rioghail an la roimhe, thog e leabhar-dhealbhan, agus de cheud dealbh a chunnic e ann ach dealbh aon de’n fheadhinn a mhurt athair! Rinn na maoir gach rannsachadh a b’urrinn daibh a dheanamh mun chuis, ach sguir iad mar a thoisich iad, gun fhios ciamar a fhuair an dealbh do’n leabhar no co chuir ann i. Air leinn gu bheil beatha ’n t-sair bhochd an crochadh air snathain gle chaol. Chaidh sia taighean a chur nan teine am Brooklyn Di-luain sa chaidh, ’s cha robh fhios ciod a bha ’g an aobharachadh. Ach ma dheireadh fhuaireadh a mach gum b e gille beag, deich bliadhna dh’aois, a bha ris an olc. Nuair a rugadh air thuirt e gu robh e ’ga dheanamh air ghaol a bhi cluinntinn nan clag a bualadh air feadh a bhaile. BAIS Aig Seann Rathad Louisburg, April an 7mh la Carastiona, bean Dhomhill ’Ic Cuish, 77 bliadhna dh’aois. Aig Leitche ’s Creek, April 6mh la, Seonaid bantrach Aonghais Peutain, 89 bliadhna dh’aois. Aig Jamesville, April 6mh, Ealasaid bean Neill ’Ic Neill 33 bliadhna dh’aois. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. [TD 126] [Vol. 1. No. 48. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 22, 1893. Tha e gle choltach nach eil na h-eileanan Hawaiach ri bhi air an aonadh ris na Staitean idir. Nam biodh an t-srian ’an laimh Harrison fhathast, chan eil teagamh nach biodh an t-aonadh air a dheanamh roimhe so, ach tha barail eile aig Cleveland air a chuis. Bha bratach nan Staitean a snamh os cionn Hawaii riabh o’n a chaidh a bhanrigh a chuir bharr na cathrach agus bha geard de sheoladairean Geancach a dion na feadhnach a bha gabhail orra fhein a bhi riaghladh nan eileanan. Le ordugh Chleveland bha a bhratach air a toirt a nuas an latha roimhe, agus chaidh na seoladairean a chuir air bord nan longan cogidh. Tha iad-san a thug an crun bho’n bhan-righ mar sin air am fagail leotha fhein agus chan eil ri fhaicinn a nise ach am bheil na h-eileanich comasach air na coigrich a chuir a dreuchd. Tha ’n cath mu fhein-riaghladh Eirinn a dol air adhart. Tha Gladstone a cur roimhe gum bi fein riaghladh air a thoirt do na h-Eirionnich air a h-uile cor, agus tha iad-san a tha na aghidh ’sa pharlamaid a feuchinn ris gach bacail a’s urrinn daibh a chuir air, an dochas gun deid ac’ air inntinn an t-sluaigh a thionndadh na aghidh. Tha moran dhe’n t-sluagh ro-fhada na aghidh ceana, ’s chan eil cearna dhe’n rioghachd anns a bheil sin air a’ nochdadh cho mor ’sa tha e ann an ceann a tuath Eirinn fhein; tha ’n sluagh ann an sin a cur rompa nach bi a dhoigh fhein aig Gladstone mas urrinn daibh-san a chumail uaithe. Tha da mhile dheug duine a Ulster a dol gu Sassinn a chuir an guth air beulaobh na parlamaid an aghidh Gladstone, oir ’se ’m barail-san nach bi fein-riaghladh idir a chum math na h-Eirinn, agus gu h-aridh a chum math Ulster. Tha Gladstone gle threum agus foghainteach de sheann duine ach cuiridh e feum air a neart ’s air a threuntas uile mu’n deid aige air fein-riaghladh a thoirt do na h-Eirionnich. LITIR A EILEAN A PHRIUNSA. A MHIC-TALLA,—Tha iomradh agad ga thobhairt bho am gu am air muinntir a tha tighinn gu aois mhoir ann an Ceap Breatuinn, ’s ann an aitean eile. Tha e taitneach a bhi cluinntinn mu thimchioll nan seana Ghaidheil a thainig do’n duthaich so iomadh bliadhna air ais ’s a tha lathair fathasd. Dh’fhaodadh e bhi ann a firinn air a radh mun tiomchioll gu’n do “ghiulain iad ualach agus teas an latha.” Chunnaic iad caochladh mor air an tir ’on latha thainig iad innte. ’S tha iad a nise fagus do dhol as an t-sealeadh. Tha iad mar thinnean (links) a tha ceangal an linn a tha lathair ris an linn a dh’fhalbh. Iad coltach ris na craobhan mora a b’ abhaist d’ar n athraichean fhagail nan seasamh anns na raointean. Na craobhan eile, a bha fas suas maile riu, air an gearradh sios, ’s a nise gach doinionn a tha seideadh, a spionadh aon an deigh aon diu a bun ’s g’an leagadh iosal ris an lar. Thug an geamhradh a chaidh seachad aireamh mhor de’n sheann mhuinntir air falbh as an sgire so—muinntir a bha iomchuidh nan giulain agus measail aig cairdean ’s aig luchd-eolais. B’ ann diu so Aonghas Domhnullach (Aonghas Mac-Iain ’ic Raonaill) a thainig a Gleann Uige ’s an Eilean Sgiathanach, Iain MacLeoid a mhuintir Rona eilean a tha faisg air an Eilean Sgiathanach, Tormaid Caimbeul a sgire Phort-righ. Domhnull MacLeoid, a thainig a Sgripidal an Raasai. Catrina Ghillis a bha posda aig Iain MacLeoid, (Iain Sheorais a Torran), an Raasai. Agus Bantrach Dhomhnuill ’Ic Mhathain. Bu nighean ise do Iain McLeoid a bha’n Clachan Raasai. Tha iad uile air triall, ’s chan eil ach aireamh bheag dhe ’n co-aoisean air am fagail nan deigh. A measg na dh’fhagadh fathast tha bean choir a tha anns a choimhearsnachd agam. Tha i mun cuairt air ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’aois. Rugadh i’ san Lealt, Taobh-Shoir an Eilean Sgiathanaich. Bha i sia bliadhna ann an tigh Mr. Calum an Ceansaleire, nuair bha i na caileig oig. B’ainm dhi Aighrig Nic a Phearsain. Bha i posda aig Ruairidh Mac-an-Toisich a gleann Shealtein ’a thainig iad do’n duthaich so anns a bliadhna 1830. Tha i na bantraich bho chionn iomadh bliadhna. Tha a cuimhne ’s buadhan eile a h-intinn a seasamh dhi gu ro mhath. Anns an t-shamhradh cha tric a h-aite falamh anns an eagleis, oir is taitneach leatha bhi cluintinn mun “tir a tha cian fad as.” Tuigidh cuid de shean-luchd-leughaidh a MHAC TALLA ann an Cape Breatuinn co iad mun d’thug mi an t-iomradh goirid so agus bheir e n tim a bh’ann bho shean nan cuimhne. ’S mise do charaid, C. C. Strathalba, P. E. I., An Giblin 15mh ’93. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts Toronto, Can. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air easadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 127] [Vol. 1. No. 48. p. 3] TURUS-FAIRGE DO AMERICA. Air a Bhliadha 1846. Mhair a’ ghaoth a’ seideadh as an aon airde, bho n ear-thuath, gus an deicheamh latha de’n mhios April, an sin thainig ciuine mhor, agus sheas an long air Di-haoine. Bha sinn aig an am sin am fagus do’n Tir-Nomha, a cheud fhearann air an tigeamaid de America tuath. An ceann beagan uairean thionndaidh a’ ghaoth ris an iar-thuath, agus thoisich i air seideadh ’nar n aghaidh. An sin dh’eirich gu h-obunn stoirm ghailbheach, anrathach, a chuir gach duine san luing ’nan cabhaig. Nuair a bha e a’ dluthachadh ri meadhon-oidhche, dh’ at an fhairge suas ’na beanntaibh, agus thoisich an long ri luasgadh air bharraibh nan tonn. Bha an cuan a’ slachdraich ri taobhan na luinge, agus thainig aon tonn aintheasach, gailbheach, agus bhuail e i air a deireadh, thug e oirre breab a thoirt cosmhuil ri each meamnach; thilgeadh bun os ceann na cisteachan anns an robh mo leabhraichean agus m’aodach, maille ris gach ni a bha ann an seomar na luinge, agus thaomadh a mach gach ni o bha ann am ciste nan cungaidhean-leighis, a bhuineadh do’n Chaiptean, ionnus gun robh cuid de na soireachan-leighis air am bristeadh, agus gach ni a bha annta air a chall. Shaoil leam gun do bhrist an tonn gailbheach so a stigh troimh chliathaich an t-soithich agus gum bitheamaid an grunnd a chuain a thiota. Dh’eigh mi ris an Tighearna air son trocair, gun teasairgeadh e sinn bho’n chunnart anns an robh sinn. Cha tig an latha a dhiochuimhnicheas mi an clisgeadh a chuireadh orm leis an tonn aintheasach ud a bhuail air an luing. Dh’eigh an Caiptean amach ris gach aon a bhi air clar uachdar na luinge; c[?]idh gach seoladair, us cocaire, us stuibhard, a ghairm a mach gu cobhair a dheanamh an am na h-eigin; chaidh gach duine ’na chabhaig agus gach laimh nan tarruing; agus an tiota beag leag iad na siuil mhullaich us mheadhoin, us rinn iad am pasgadh ris na crainn. Cha d’fhag iad sgod no breid gun tarruing a stigh, agus cha robh ri fhaicinn ach na crainn ruisgte ’nan seasamh. Nuair thug iad a nuas na siuil, dh’iomaineadh an long, agus bha i gu mor air a luasgadh thuige agus bhuaithe leis an doininn. Bhuanaich sinn anns a’ chor so gu briseadh na faire. Air tus bha eagal cho mor orm agus nach b’urrainn mi dol a chadall; ach an deigh mheadhan oidhche, nuair a chuireadh an long air doigh, ghabh mi misneach gu dol am shineadh san leabaidh agus an sin thuit mi thairis ann am chadal Thiomainn mi suas mo spiorad ann an lamhan an Tighearna, agus an uair a dhuisg mi sa ’mhaduin, thug mi buidheachas do Righ nan Dul, a chion gun robh sinn fathast sabhailte, agus gun d’thug e gu tearuinte sinn bho ghabhadh na h-oidhche gu solus aobhach na maidne. An sin dh’eirich mi suas le subhachas, dh’ith mi biadh, agus ghlac mi misneach. B’i so a chiad stoirm uamhasach anns an robh mi air fairge, agus mar sin chuir i am barachd eagail orm. Ach cha robh anns an stoirm so ach toiseach ar n-anraidh oir mhair a’ ghaoth a’ seideadh bho’n iar thuath re tri seachdainean iomlan; bha sinn air ar luasgadh a null agus a nall leatha fad na h-uine sin, air na h-Oitiribh Mora aig an Tir-Nomha (Banks of Newfoundland); agus bha sia no seachd a dh’oidhchibh againn na bu stoirmeile na an oidhche ud. Air Di-Sathurna an 25mh la April bha stoirm uamhasach a’ seideadh ’nar n-aghaidh. Chiteadh an fhairge a’ bochadh suas ’na beanntaibh arda, agus nuair a bhiodh an long anns na glinn eadar na tuinn, chiteadh na stuadhan mora liaghlas an crochadh gu h ard os ar ceann, a bagairt taomadh a nuas oirnn gu grad, gus an long a chur fodha. Cha b’urrainn duine a chasan a chumail air a’ chlar-uachdair, ach bha gach neach a tuisleachadh mar duine air mhisg. Chunnaic sin air an latha sin mill mhora, agus beanntan arda, ris an abrar cruachan-deigh cosmhuil ri Cruach-Rainneach no Beinn-chruachan, ’nan suidhe mar “Ealasaid a’ Chuain” air na tuinn, a’ snamh air uachdar na fairge, ach cha deachaidh sinn am fagus dorbh, bhrigh gun robh solus an latha againn chum an seachnadh. D. B. B. (Tuilleadh.) CUMHA DO DH’FHEAR FHARBRAINN. ’S leat na Gordonich rioghail, ’S iad nach soradh am fion mu do champ, Is gun seasadh iad rioghail Gus an cailleadh iad direach an ceann; Clann-an-Toisich nam pic leat, Bha iad crosda ’nuair shineadh iad lann; ’S mur deach stad air no cluimhne Thigeadh brod Chlann Mhic-Aoidh leat annall. Sud na fearibh a dh’eireadh, Nan digeadh ort eiginn no cas, Clann-Mhic-Eachinn an rolais, Bha iad bras ann an toiseachadh blair Bhiodh da thaobh Locha-Braoin leat, ’S ged a bhitheadh cho b’ioghnadh leam e, Thig a Choigeach bho Asinn Gu do chomhnadh fhir ghasda gun sgath. Nis bhon dh’fhagadh ’sa chruids’ thu Cha n-fhaic sinne do ghnuis am measg sloigh; Bu leat abhachd na duthcha ’Nuair a shuidheadh gam cuis mar bu choirr. Bu leat Monair gu Fidhach, Agus Conainn ga iasgach, a sheoird; Oidhche-Challainn nam b’aill leat, Thigeadh bradan bho’n Ainich gu d’bhord. ’Righ, gur mise tha tursach Is beag m’aighear ’s mo shunnd ris a cheol, ’S mi gun duine mu’n cuairt dhomh Ris an gearain mi cruadal mo sgeoil. Tha mo choill air a maoladh Gus an cinnich na maotharain og’ ’S nam bu toileach le Dia e Na ma fad gus an lion iad do chot. Cha n-’eil feum anns a’ mhulad, Mo chreach leir! cha do bhuidhinn sinn bonn. ’S ann is eiginn dhuinn ’fhulang, Ged a chuidhtich gach duine dhiu ’m fonn Mar na coilltichean connaidh Tha’n cuid shaighdean a pronnadh nan sonn: Sgith mi ’g amharc an droma ’Sa bheil luchd nan cul donna gu trom. DR. WOOD’S NORWAY PINE SYRUP.—Leighsidh Dr. Wood’s Norway Pine Syrup casadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, ’s don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 128] [Vol. 1. No. 48. p. 4] CAILLEACH NAN CNO AGUS TAILLEAR NAN CLAR. Thachair dha bhi ’g obair an oidhche air am bheil sinn a’ bruidhinn ann an taigh nach robh air tri-fichead slat bho dhorus a’ chlaidh. Agus mar a b’ abhaist, bha’n taigh lan de luchd ceilidh. Taillear nan clar ag cur dheth mu gach buidseachd, taibhse, agus sitheach a bha agus nach robh ann. Mu dheireadh thall bhuail am pathadh a h-aon do ’n chuideached, ach cha do thachair gu’n robh boinne uisge stigh. Ach bha gille tapaidh ’s a’ chuideachd a thairg dol do’n tobar. Bha ’n tobar mu leth-dusan slat bho dhorus a’ chlaidh. Agus ’n uair a bha’n gille teannadh faisg air an tobar chual e cno ’g a cnagadh. Sheas e, ’s dh’eisd e; chual e ’n ath chno ’g a cnagadh; ma chuala cha robh feum air a’ chorr dearbhaidh. Thug e na buinn dhi dhachaidh, anail ’na uchd, ’s a dha shuil an impis leum a mach as a cheann leis an eagal; agus bhoidich ’us bhriathraich e gu’n robh a’ chailleach ’na suidhe ’s a’ chladh agus fead aic’ air cagnadh nan cno. “Pu,” arsa fear thall, ’s fear a bhos, “cha ’n ’eil annad ach an gealltair bochd.” “Thoir dhomh-s’ a’ chuinneag,” arsa gille maol ruadh a bha ’n a shuidhe ann an oisinn. Dh’fhalbh an gille ruadh le coltas fearail air. Ach mar a thachair do’n chiad fhear, ’n uair a bha e’ teannadh faisg air an tobar, chual e cno ’g a bristeadh. Thog e’chluas ’s dh’eisd e; chual e’n ath chno ’g a cnagadh; ma chuala, cha robh feum air tuilleadh dearbhaidh. Thill an gille ruadh dhachaidh tioram, agus mhionnaich e air gach cumhachhd, ard ’us iosal, nach robh aicheadh air a’ chuis, gu’n robh i ann gun teagamh. “Ma ta,” arsa taillear nan clar, “s iomadh cearn de’n t-saoghal ’s an robh mi, ach cha do thachair mi riamh ri lan taighe de ghealltairean coltach ribh. Na’m biodh comas mo chas agam, mar nach ’eil, bheirinn lan na cuinneig as an tobar ge do bhiodh h-uile cailleach ’s a’ chladh ag cagnadh chno.” “Ma ta,” aras gile mor dubh a bha thall mu ’choinneamh “bheir mise leam air mo mhuin thu.” “So ma ta,” ars’ an taillear, “tog leat mi.” Rug an taillear gu teann air a’ chuinneig ’na dhorn ’s dh’fhalbh an gille mor leis air a dhruim. Agus mar a thachair do chach, mar a bha iad a’ teannadh faisg air an tobar chual iad cno ’g a cnagadh. An cuala tu sud?” arsa ’n gille mor, “chuala mi,” arsa ’n taillear, “cha’n ’eil sud cneasda mu’n am so dh’oidhche.” “An teid mi air m’ aghaidh leat?” ars’ an gille. “Theid,” ars’ an tailleir, “ach cum samhach.” Chuala iad an ath chno ’g a bristeadh. “An cuala tu sud?” ars’ an gille mor. “Chuala,” ars’ an taillear,” “na mheal mi mo shlainte mur ’eil eagal orm gu’m bheil i ann.” Bha nise gille nan cno a’ gabhail fadachd nach robh a charaid fear a’ mhoilt a’ tighinn, agus dh’ eirich e ’n a sheasamh dh’fheuch am faiceadh e tilleadh e; agus ’n uair a chunnaic e ’n gille mor a teannadh air agus taillear nan clar aig air a mhuin cho-dhuin e air ball gu’m b’e meirleach a’ mhoilt a bh’ann. Agus le guth laidir, fallain, dh’ eibh e, “Am bheil e reamhar?’ “Reamhar no caol e, ars’ an gille mor, “sud agad e.” Agus aig an am cheudna e ’toirt na tulgaid ud do thaillear nan clar a steach do’n chladh. Thug an gille mor na buinn dhi agus leig e le taillear nan clar a bhi deanamh air a shon fhein. Mu dheireadh thall rainig taillear nan clar dhachaidh gun chuinneig, gun uisge, air a chomhdach le poll ’us eabar, agus mar a thachair do iomadh neach a tha laidir na m’ beachd fhein, cha robh taillear nan clar idir cho gaisgeil a’ tilleadh ’s a bha e ’falbh.—Clarsach an Doire. CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS.—A Dhaoin’uaisle,—Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhaidh le tri botuill de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna. MRS. DAVIDSON, Winnipeg, Man. Tha Sir Tearlach Tupper air an leabaidh am Paris tinn leis a’ ghrippe. Chan eil e comasach air a sheomar-leape fhagail no guothuch sam bith a ghabhail ri ni a chuireadh dragh air. Cha deanar fuil mhath le droch stamaig Ni K D C fuil mhath le ’n stamag a ghlanadh ’s a thoirt gu riaghilt. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paiper so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 129] [Vol. 1. No. 49. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 29, 1893. No. 49. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha Dr. Harrington an St. Andrew’s N. B. air a chuir do’n phriosan fad shia miosan air son mionnan eithich a thug e aig cuirt far an robh iad a feuchinn duine a bhi reic deoch-laidir. Feasgar Di-ciadinn s’a chaidh thanig stoirm shneachda cho doirbh s’a thanig fad a gheamhridh. Thuit meall math sneachda agus tha na roidean ann an aitean cha mhor air an dunadh. Tha luchd-imrich o’n Roinn-Eorpa a sior ruigheachd Halifax. Re nan deich laithean a chaidh seachad chuireadh da mhile dhiubh air tir. Bha fiach seachd ceud mile dolair de dh’imrich aig na thanig gu Manitoba air a bhliadhna so. Air an treas latha deug dhe’n mhios so, chaidh tigh-comhuidh le Domhnull Camaran, (Domhnull Mor), faisg air Mabou, a losgadh gu lar. Bha’n teine ’n deigh faighinn gu math air adhart mu’n d’thugadh fanear e agus cha robh ach gle bheag dhe na bh’anns an tigh air a shabhaladh. Bha ’n t-Urr Eoghan MacLeoid, D. D., ceithir fichead bliadhna ’sa deich air la na sabaid s’a chaidh. Rugadh e air an treas latha fichead de dh’ April sa bliadhna 1803. Ged a fhuair an Dotair coir moran sarachidh le tinneas o chionn iomadh bliadhna, tha uile bhuadhan inntinn cho geur’s cho laidir s’a bha iad riabh. Tha chuirt aig an Dr. Buchanan seachad agus tha’n duine truagh air fhaotinn ciontach. Bha ’n jury air an dunadh ’san rum fad dheich uairean fichead no corr mu’n do chord iad air de bhreith a a bheireadh iad air, ach fa-dheoigh thug iad a mach gu robh iad ’ga fhaotinn ciontach. Chan eil fhios fhathast co dhiu bheirear a mach binn crochidh air na nach toir. O chionn corr us mios, tha’n t-side anabarrach tioram air Gaidhealtachd na h-Alba, na’s tiorma na tha cunntas air e bhi bliadhna riabh roimhe. Bha’n t-earrach ’sna bliadhnichean 1887, us 1891 anabarrach tioram, ach tha ’n t-earrach so a toirt barr orra. Tha’n tiormachd so gle fhabharrach do na tuathanich ’san t-seann duthich; tha e cumail an fheoir air ais, ach tha gach barr eile ’cinneachadh fas gu math. Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, bha ’m “bill” a tha dol a thoirt fein-riaghladh do dh’Eirinn air a leughadh an darra uair. Tha’n darra leughadh a cuir aonta Tigh nan Cummantach ris, ach faodidh atharrachadh mor a bhi air a dheanamh air mu’n tig’ o gu bhi na lagh. Tha aireamh mhath dhe na fir-pharlamaid a tha air taobh a buill deonach air Ulster fhagail fo riaghladh na Parlamaid Bhreatunnach mar a tha e’a drasda, o’n a tha sluagh na mor-roinn sin a nochdadh gu soilleir nach eil fein-riaghladh a dhith orra. Ach ged a rachadh am bill troimh Thigh nan Cummantach gun atharrachadh sam bith a dheanamh air, is cinnteach an ni gum bi e air a dheagh chonablachadh mu’n teid e troimh Thigh nam Morairean; agus tha e cheart cho docha nach fhaigh e troimhe idir, oir tha uaislean an taighe sin a leigeil ris cheana nach eil gradh sam bith aca dha. Ma thilgeas iad a mach am bill sgaoilidh Gladstone a pharlamaid agus bheir e a chuis aon uair eile fa chomhair sluagh na rioghachd. Ma bheir iad-san barrantas ur dha a dhol air adhart theid aig air buaidh a thoirt air na morairean agus bidh a dhoigh fhein aige gun taing dhaibh; ach ma ’s ann a bheir an sluagh a mach a bhinn na aghidh, bidh Eirinn cho fada bho fhein-riaghladh ’sa bha i riabh. Tha ’Bhan-Diuc Shutharlanach an drasda sa phriosan. Bha paipearan araidh a bhuineadh do’n oighreachd air an toirt di ri’n leughadh le ordugh na curtach. Bha na paipearan sinn gle luachmhor an sealladh an lagha, ach a reir coltais bha fear dhuibh nach robh gle fhabharach don Bhan-Diuc, oir chan fhacas ni leatha b’ iomchuidhe na chuir do’n ghriosich. Tha aice ’nise ri dioladh air son an deanadis sin le bhi air a dunadh ’sa phriosan fad shia seachdainean a thuilleadh air da cheud gu leth punnd Sasunnach a phaidheadh mar chain. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleaig air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colbourne Sts, Toronto, Can. [TD 130] [Vol. 1. No. 49. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 29, 1893. Nuair a thig tri aireamhan eile mach bidh am MAC-TALLA bliadhna dh’aois. Nuair a thanig a cheud aireamh dheth a mach cha robh aige ach grunnan gle bheag de chairdean, agus bha iomadh aon ag raitinn nach robh saoghal fada ri bhi aige mo rud coltach ris. Tha moran ann a their an ni ceudna ’n diugh, ach tha lan dhochas aginn gum bi iad air am mealladh. Chan urrinn dhuinn a chreidsinn gu bheil na Gaidhil cho coma dhe’n canain ’s gun leig iad bas an aon phaipear Gailig a tha air an taobh so dhe’n chuan. Bhitheamid gle dheonach fhaotinn a mach am biodh ar luchd-leughidh toileach dolar a phaidheadh air son a MHAC-TALLA na’m meudicheamid e gu bhi dha uiread ’sa tha e’n drasda no dh’fhaoidte beagan na’s mo na sin. Bheireadh so dhuinn cothrom air am paipear a dheanamh na b’fhearr air gach doigh na tha e ’n drasd, agus chan eil teagamh aginn nach b’fhiach e an dolar pailt cho math no na’s fhearr na’s fhiach e ’n leth dolar mar a tha e. Bidh sinn an comain neach sam bith a sgriobhas thuginn agus a bheir dhuinn a bharail. CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS.—A Dhaoin’ uaisle,—Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh le tri botuill de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna. MRS. DAVIDSON, Winnipeg, Man. Fhuaireadh duine bochd da’m b’ainm Coinneach Siosal marbh anns a choille faisg air Grand River an la roimhe. POSAIDHEAN. Aig Boston, April 15mh, leis an Urr S. Gunn. Domhnull Mac Fhionghain, Portland, Maine, ri Catriona Nic Gilleain, Ceap Mabou. BAIS Air Taobh an Iar Amhinn Shidni, air a cheathramh latha deug de dh’April, Ruairidh Mac ’Illinnean, tri fichead bliadhna sa h-aon a dh’aois. Aig Loch ’Ic Gilliosa, April 15mh, Ailein Domhnullach, tri fichead bliadhna ’s ochd deug a dh’aois. ’FHIR-DEASACHAIDH—Cha ruig mi leas a radh gu’n robh mi gle thoilicht’ a chiad uair a chunnaic mi MAC-TALLA, agus cha-n ’eil seachdainn nach eil fadachd orm gus am faigh mi e. Am faod mi fhoighneachd am bitheadh e freagarrach dhuibh beagan naidheachd a thoirt dhuinn gach seachduinn mu dheibhinn na Gaidhlig ann an Canada. Bhitheadh na Gaidheil anns a’ bhaile mhor so gle thoilicht’ a chluinntinn gu’m beil sibh a’ cumail suas canain ar sinnsear ann bhur duthaich fein. Nan sgriobhadh bhur luchd-leughadh iomradh ghoirid gu MAC-TALLA mu dheibhinn na Gaidhlig nan cearn fein, bheireadh e misneach do na h-uile neach a tha stri ri bhi ’ga cumail suas agus chuireadh e MAC-TALLA anns an aite ’s am bu choir dha a bhi, os cionn na h-uile paipeir Beurla. ’S e mo bheachd gu’m bu choir do na Gaidheil oidhirp laidir a dhianamh airson a’ Ghaidhlig a bhi air a teagasg anns na sgoilibh anns gach cearn, far am beil cloinn Ghaidhealach. Tha a’ Ghaidhlig ’na comharradh cinnteach gu’m beil clann nan Gaidheal fathast beo, agus nuair a gheibh i bas, gheibh clann nan Gaidheal bas aig an am cheudna. Cha-n ’eil i an deigh galar a bais a ghabhail fathast, tha i beo, slan, fallain, agus carson nach faigheadh i an ceartas a tha canain eile ’faotainn le bhi ’ga teagasg anns na sgoilibh. Cha robh riamh meas cho mor oirre ’us a tha aig an am so, agus ’se so an t-am bu choir dhi a bhi air a steidheachadh gu brath. Ach feumaidh sinn toiseachadh leis na sgoilibh, cuimhnicheamaid an sean-fhacal “An leanabh nach foghluim thu ri do ghlun, cha.n fhoghluim thu ri do chluais.” Buaidh agus piseach le MAC-TALLA agus leibh fein. Is mise gu dileas, LAMH LAIDIR. LUNNUINN, April 15mh, 1893. So mar a tha muinntir Hawaii an roinn a taobh aonadh nan eileanan ris na Staitean. Tha ’n aghidh an aonidh da fhichead mile de na naisinnich aig a bheil deag fhoghlum agus a tha gle thuigseach mu chuisean na rioghachd. Agus chan eil ag iarridh an aonidh ach mu dha mhile dhe’n t-sluagh agus is Geancach gach mac mathar dhuibh sin! De ’n t-ioghnadh ged a bheireadh Cleveland a nuas bratach nan Staitean, ’s ged-a bheireadh e air falbh na saighdearan mara a bha geard nan riaghladairean ura? Ma bha ceartas idir na bheachd, cha b’urrinn da ni sam bith eile dheanamh. Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dh’fheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an d’iarr caraide orm K. D. C. aghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha d’fhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h-uile. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 131] [Vol. 1. No. 49. p. 3] TURUS-FAIRGE DO AMERICA. Air a Bhliadha 1846. Bha cunnart ann nam buaileadh an long air aon de na cruachan-deigh; dheanadh iad a cur as a cheile ’sa sgealbaibh ann am prioba na sula. Ach chaidh sinn tearuinte seachad air a chunnart so, oir bha an Tighearna grasmhor dhuinn. Air Diardaoin an 30mh la April sguir a ghaoth bho’n iar thuath do sheideadh, agus thionndaidh i ris an iar dheas. Bha sinn aig an am sin a mach air culaobh Cheap-Breatuinn, agus bha a’ ghaoth an iardheas ro fhabharach dhuinn, do bhrigh gun robh sinn a los seoladh timchioll air ceann tuath an Eilein sin, oir fhuair sinn fios bho longan ris an do choinnich sinn, gun robh Caolas Chanso lan deighe, ged a bha sinn a’ runachadh an toiseach seoladh triomh ’n Chaol. B’eigin duinn uime sin tionndadh mun cuairt ris an airde tuath; ach bha a nise cunnart eile am fagus duinn, oir air an oidhche sin fhuair sinn fios gun robh an deigh romhainn, agus nach robh i fada bhuainn. Thionndaidh sinn mun cuairt an long le cabhaig agus pill sinn air ar cursa. An sia thug sinn a nuas na siuil agus stad sinn, re na h-oidhche anns an aite sin. Nuair a shoillsich a’ mhaduin an ath latha, a’ cheud latha, de’n Mhaigh, cha ceo mor tiugh duinte m’ar timchioll, agus cho luath ’s a thog an ceo suas, dh’amhairc sinn a mach agus feuch bha an deigh air iathadh mun cuairt duinn. Thainig an t-olc sin oirnn roimh an robh eagal againn: chunnaic sinn thall ma’r coinneamh beanntan agus creagan an Rutha Thuathaich de Eilean Cheap Breatuinn; oir bha sinn mu choinneamh Cainus Ingonais. Agus bha Eilean Phoil began gu tuath oirnn, mu’n cuairt de dheigh mile mach bho’n Rutha Thuath. Bha sinn aig an am so mu thuaiream deich mile fichead bho Eilean Phoil. Tha an t-eilean beag so mu thimchioll tri mile air fad agus mile air leud; agus do bhrigh gum b’abhaist moran calla tachairt do longaibh aig an aite sin, chuir luchd-riaghlaidh na Mor-Roinn suas taigh-soluis air gach ceann de’n eilean, a chum an t-slighe fheuchainn san oidhche dhuirche do na maraichibh a bhios a’ fulang amadh-cuain. Gu dealachadh a chur eadar an da sholus anns an oidhche, tha an solus deas a’ dol mun cuairt, agus tha an solus tuath a’ seasamh gun charachadh. Dh’fhan sinn am fagus do’n eilean so sia laithean, bho mhaduinn Di-haoine gu feasgar Di-ciaduinn, oir cha b’urrainn sinn dol a null no nall leis an deigh. Thug sinn iomad ionsuidh agus oidhirp air faotainn a mach as a’ phriosan anns an robh sinn ach dh’fhairtlich oirnn fad shia laithean. Gidheadh bha an Tighearna fabharach ruinn, agus chum e a’ ghaoth na laidhe, oir is gann a bha osag a’ seideadh re na h-uine sin. Air oidhche Di-mairt dh’eirich gaoth laidir bho’n iar-thuath, agus dh’iomain i an long agus an deigh a null ’s a nall, agus nuair a bhuaileadh an long air meall de’n deigh, shaoilinn gum biodh i na sgealbaibh ann an tiota. Air Maduin Di-ciaduin an 6mh la de Mhaigh, thoisich an deigh ri sgaoileadh, agus mun d’thainig am feasgar ghabh i seachad leis an t-sruth mhor a tha tighinn a mach bho Fhairge Labhruinn agus a’ sruthadh a mach eadar an Rutha Tuath agus an Tir-Nomha. Mar so fhuair sinn fuasgladh bho chunnart na deighe, agus cha do thachair a’ bheag tuilleadh dhith oirnn gus an d’rainig sinn ceann air turuis. Am feadh a bha sinn duinte san deigh chunnaic mi moran de longaibh beaga da-chrannach am measg na deighe, agus daoine air bord annta, a feitheamh ris na roin a ghlacadh. Nuair thigeadh na roin as an fhairge ri teas an latha, agus a laidheadh iad sios ’gan grianadh air meall de’n deigh, thuiteadh iad an sin ’nan cadal; bha na daoine a’ leum orra le bataichibh, le cuaillibh agus le gunnaichibh, agus gam marbhadh nuair a thigeadh iad orra nan cadal, agus an sin bheireadh dhuibh am bian agus an t-saill. Chunnaic mi an deigh dearg le fuil nan ron. D. B. B. (Tuilleadh). THUG MI GAOL DO’N FHEAR BHAN. Chunnacas soitheach air a chuan ’S i cur suas nan seol ard; Nuair a dhuilt i dhol mu’n cuairt Bha mo luadh s’ air an t-snamh. LUINNEAG. Thug mi gaol, thug mi gaol, Thug mi gaol do’n fhear bhan; Thug mi gealladh dhuit a ghaoil, O cha n-fhaod mi bhi slan. Tacan mun do chrom a ghrian Bha mi ’m fianis mo ghraidh; ’S nuair a thionndaidh thu do chul Shil mo shuilean gu lar. Tha do thiodhlacan am chist’ ’Thug thu dhomh gun fhios do chach; ’S tha do litrichean am phoc’, Gealladh posd’ uair no dha. Nuair a rachadh tu gu feill Bu leam fein ni no dha; Bu leam riobin agus gun As na buithean a b’fhearr. Nuair a rachadh tu ’n taigh-osd’ Bhiodh do phocanan lan, Bhiodh do bhotal air a bhord, ’S tu ri ol nan deoch-slaint’ Bha mi deas is bha mi tuath Bha mi ’n Cluadh uair no dha; Dheth na chunna mi fo’ n ghrein Thug mi speis do ’n fhear bhan. Cha deid mise do ’n taigh-chiuil, ’S beag mo shunnd ri ceol-gair,’ Bhon a chuala mi thu, ’ruinn, Bhi sa ghrunnd far nach traigh. Bha mi brudar ort an raoir, Mi bhi ’n caoimhneas mo ghraidh; ’S nuair a dhuisg mi as mo shuain B’ fhalamh, fuar a bha t’ait. Chaidh a phacaid troimh na caoil Leis na daoine Di-mart; ’S mis’ a fhaigh am faradh daor, Bha mo ghaol air a clair. Cha bhi mis’ an nis a strith Ris a ghlibheideach bhan; ’S mor gum b’ annsa leam fear donn Thogadh fonn am measg chaich. FAOCHADH US LEIGHEAS.—Dh’fheuch mise Hagyard’s Pectoral Balsam air son casadich us cnatan, agus bheir e faochadh dhomh am beagan uairean, agus ni e leigheas cinnteach. Cha bhithinn as aonis idir. MRS. ALFRED VICE, Berlin, Ont. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 132] [Vol. 1. No. 49. p. 4] TURUS A MHARAICHE. EE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Caib. I. Bhruadair mi. Baile-mor, le bhallachan ’s a thuraite ruigheachd gu Neamh, e dealradh gu soillear anns’ a ghrein mhaidne. Bha a shluagh sgeadaichte ann an corcur, agus anart grinn, sioda, agus scarlaid. Be’n teachd or agus airgiod agus clachan luachmhor. Bha anns’ a bhaile pailteas ola, fion, min-chruineachd eich, caoirich agus spreidh. Bha a ceannaichean na’m prionnsan a rinn an talamh uile beartach. Thug na machrichean mor thoradh a mach, eadhon mar garadh an Tighearn. Thainig thuige o chein ionmhasan an doimhne mhoir, chriothnaich agus luaisg an talamh fo fharum a dhaoine gaisgeil. Air sin thuit air mo chluasan fuaim clairsearan, fir-chiuil, piobairean agus trompadearan. Rinn an fion nuadh gairdeachas agus sheinn luchd a chridhe shubhaich. Bha feadhachas, danns’ agus sugradh, gus, a lath agus a dh-oiche, an robh gleadhraich a bhaile mar thoirm mhoran uisgeachan. Bha a gheatachan fosgailte a ghnath. Thainig mor shluagh o’n aird an ear ’s o’n aird an iar ’s o’n aird a tuath is deas. Be ainm a bhaile Balilon Mhor, ach bha a shluagh na’m peacich thar tomhais. An sin thug mi fainear, aig meadhon-latha, ban-righ a bhaile, eadhon a bhan-righ scarlaid, teachd a mach a luchairt a giulean na laimh cupan lan de fhuil nan naoimh, air an do shaltair i fo ladharan an eich aice gun truas aice dhoibh tra ghlaodh iad ann am peinn, “Cia fhad a bhitheas, O Thighearna?” Na laimh bha slat rioghail de iarunn, agus air a ceann bha crun de dh-or, ruith seudan a chruin sios le fuil. Ghlaodh an sluagh le iolach mhor: “Failte do bhan-riagh neamh agus talamh!” Thuit na daoine saobhir agus na h-ard cheannardan, na daoine saor agus daor, daoine og agus maighdeana, daoine aosmhor agus clann bheaga, sios anns an duslach agus rinn iad aoradh do’n bhanrigh, a sheall gu caomh agus grasmhor orra, agus air dhi an cupan, lan de fhuil nan naomh, a thogail dh-ionnsuidh a bilean, dho[?]i dheth, a tabhairt toibheum do Dhia, da theampull, agus da shluagh, ag radh ’na cridhe fein “tha mi a’ m’ shuidhe a’ m’ bhan-righinn, agus cha bhantrach mi agus cha’n fhaic mi bron.” An sin thugadh na lathair faidh an Tigheann, a ghlaodh, “Thuit Babilon! O thusa tha chomhnuidh air moran uisgeach aibh, saoibhir ann an ionmhasaibh, thainig do chrioch, tomhas do shainnte.” Dh fhas gnuis na ban-righ dorch mar an torrunn. Spadadh i am faidh ris an duslach le a slait ach air dhi a sluagh fhaicinn dean-thograch airson fuil thubhairt i “Ciod a nithear air namhad ar baile?” Ghlaodh iad gu h-ard le aon ghuth. “Ceus e! Ceus e!’ Fhreagair ise, “Gabhaibh-sa e agus ceusaibh e agus air ball chaidh i steach le gnuis aoibheil do theampull Mhamoin Mar chaora measg mhadaidh-alluidh reubadh am faidh na mhirean. Shuidh an sluagh sios a dh’itheadh agus a dh’ol, agus dhieirich iad suas gu sugradh. Shuidh a bhan-righ aig cuirm maille ri a comhairlichean, a daoine cumhachdach, agus a faidhean breige. (Ri Leantuinn.) Tha gille beag, aois choig bliadhna, le Eoghain Mac-a-Phiocair, ’sa bhaile so gle thinn o chionn corr us seachdain. Cha robh duil an toiseach gun tigeadh e uaith idir, ach le frithealadh agus sgil an Dotair Kendall, tha e nise dol gu math am feabhas. DR. WOOD’S NORWAY PINE SYRUP.—Leighsidh Dr. Wood’s Norway Pine Syrup casadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, ’s don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull. Chaidh ceithir duine deug a bha ’g obair ’san obair-uisge am Milwaukee a bhathadh Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad a cladhach tobar domhinn faisg air an amhinn agus sheid stoirm mhor a chuir an t-uisge na thuil a stigh air am muinn. Cha deanar fuil mhath le droch stamaig Ni K D C fuil mhath le ’n stamag a ghlanadh ’s a thoirt gu riaghailt. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 133] [Vol. 1. No. 50. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAI 6, 1893. No. 50. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha’n t-side gle fhuar cho fada so agus chan eil moran de bhlath an t-samhridh air an duthich fhathast. Tha’m barr cotain ’sna Staitean a Deas air a mhilleadh gu mor le fuachd ’s le reothadh. Ann an caochladh aitean tha e air a mhilleadh gu tur. Rinn an stoirm a bh’ann air an t-seach-s’a chaidh call mor an iomadh cearna de’n eilein so agus mar an ceudna an Eilean Phrionns’ Iomhair ’san Nobha Scotia. Tha acarsaid Shidni a nise fosgailte agus chan eil deigh mhor no bheag ri faicinn idir. Thoisich am bat-aiseig ri ruith eadar Sidni us Sidni-a-Tuath Diluain s’a chaidh. Bha ionnsidh air a thoirt air beatha Mhr. Gladstone air an t-seachdain s’a chaidh le duine caothich da’m b’ainm Townsend, ach gu fortanach cha d’fhuair e cron sam bith a dheanamh air a Phriomhair; rugadh air ’s chuireadh a stigh e do’n phriosan. Tha na tuathanaich am Manitoba agus anns an Iar-Thuath an ire mhath air a churachd. Tha ’churachd air a bhliadhna so so ri bhi na’s mo na bha i bliadhna riabh roimhe. Tha aon tuathanach mor am Brandon a dol a chuir seachd mile acaire fearinn fo bharr. Bha tuathanach da’m b’ainm Tearlach MacNairn a tamhach aig Rockfort, Mass., agus bha e e gu math air a dhoigh. Oidhche Di-luain s’a chaidh dhuin e na beathichean uile san t-sabhal ’s chuir e teine ris. Ghlas e fhein a stigh ’san tigh agus chuir e ’n eanachinn as fhein le urchir gunna. Loisgeadh faisg air da fhichead ceann cruidh, agus sia eich. Di-haoine s’a chaidh bha bean araidh a a coiseachd air aon de shraidean Montreal agus thachir oirre caraid og air an robh coltas a bhi gle spaideil. Bhruidhinn iad rithe agus ghuidh iad oirre dhol ga bhi ’na fianuis aig am posadh, rud a bha nam beachd a dheanamh cho luath ’sa rachadh ac’ air. An deigh beagan tathuinn dh’aontich i dhol leotha do’n eaglis far an robh an searmon posidh air a dheanamh le ministeir. Cho luath sa chriochnich e, thog a charaid rithe le cabhaig ’s chan fhacas iad uaithe sin. Bha aireamh mhor do longan cogidh as gach rioghachd us duthich san Roinn Eorpa ’s an America, cruinn an acarsaid New York an la roimhe a dol troimh uile chleasan an airm-mhara. An teis-meadhon nan longan-cogidh bha tri longan beaga air an togail air an dearbh dhoigh agus air a cheart cumadh air an robh na longan anns an tanig Columbus thairis air an Atlantic. Bha iad so nan ioghnadh na bu mho na na longan-cogidh fhein, ged a bha iad sin air am meas a bhi nan sealladh a b’fhiach a dhol astar mor ’gan amharc. Si ’n long Bhreatunnach am Blake long bu mhaisiche bh’ann air fad; agus ann am meairseadh air tir thug na seoladairean Breatunnach barr air cach uile. Tha Breatuinn mar so fhathast air thoiseach air gach rioghachd eile ann an cuisean a bhuineas do’n mhuir. Tha Donnacha C. Ross, duine mhuinntir nan Staitean, aig a ’bheil ainm a bhi na dhuine gle laidir, an drasd san t-seann duthich. Ghabh e os laimh an la roimhe. Gaidheal mor fada da’n ainm Alasdir Mac-a-Phi a chuir bhar a chasan ceithir uairean an taobh stigh de dh’uair a thim. Bha iad ri gleachd air an t-seann doigh Ghaidhealich, ’s bha da cheud punnd Sasunnach do gheall eatorra. Chaidh aig an Rosach air a Ghaidheal a leagail tri uairean, ach cha robh e idir comasach air a leagail an ceathramh uair, agus mar sin chaill e’n geall ’s ghleidh am fear eil’ e. Tha Mac-a-Phi sia traighean us tri oirlich a dh’airde, agus da cheud us deich puinnd fhichead a chudthrom. Tha’n Dotair Buchanan air a dhiteadh gu bas le lagh nan Staitean, ach tha e gle choltach gum bi cuirt eile air a suidheachadh, agus gu’m faigh e aon chothrom eile air e fhein a shaoradh. Tha e na fhior dhroch comharra air sluagh nan Staitean cho ullamh sa tha iad gus an guth a thogail air taobh murtair nuair a bheirear a mach binn bais air. Biodh an gniomh a rinne cho oilteil sa chualas riabh, gidheadh gheibhear na miltean a chuireas an ainm ri paipear ag iarridh a bheatha leigeil leis. Se barail moran gum bi an spiorad ceudna oir a nochdadh thaobh Dhr Buchanan, agus gum bi e air feuchinn as ur ’s ma dh’fhaoidte air a leigeil ma sgaoil. [TD 134] [Vol. 1. No. 50. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, MAI 6, 1893. Chan eil cuisean ach gle fhad air ais an Australia. Tha aireamh mhor de bhancichean air bristeadh, ’s mar sin tha moran theaghlichean air am fagail gun sgillinn ruadh ris an t-saoghal aca. A thuilleadh air sin tha tiormachd mhor ann an aitean, ’s a reir a h-uile coltais ’si so bliadhna cho bochd ’sa chunnic an duthich riabh. Tha’n Ard chomhairle ’tha reiteachadh chuisean eadar Breatuinn ’s na Staitean na suidhe fhathast, ach tha iad air sgaoileadh fad seachdain tre thinneas Morair Hannen aon de bhuill na comhairle. Tha fios a fhuaras an Ottawa bho Shir Iain Thompson ag radh gum bi gach cuis air a cheartachadh mu dheireadh a mhiosa so. A reir coltais tha uaislean na comhairle ’n duil gnothuch sgiobalta dheanamh dheth. Bha feill an t-saoghil air a fosgladh Diluain s’a chaidh leis a h-uile greadhnachas bu mho na cheile. Chan eil ni air an urrinn duine smaoineachadh nach eil ri fhaicinn aig an fheill so agus tha moran ann air nach smaoinicheadh duin’ idir. Tha eadhon duslach Cholumbuis aca ’ga shealltuin, air a chumail ann am bocsa beag glainne air a dhunadh le bannan oir. Agus mar a bhios na meirlich anns gach aite ’sam bi dad is fhiach a ghoid, chaidh ionnsidh a thoirt an la roimhe air am bocsa so ’s na tha ann a ghoid, ach mu’n d’fhuair am meirleach air falbh leis thugadh uaith e. AIR SON DROCH CNATAN.—Bha droch cnatan orm agus leighis mi e le Dr. Wood’s Norway Pine Syrup. Is leigheas anabarrach math e, a bheir faochadh ri beagan uine, agus a tha gle bhlasda r’a ghabhail. I. PAYNTER, Huntsville, Ont. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. LITIR A LUNNINN. AN SEARMON GAILIG. Chruinnich co-thional mor a chluinntinn an t-Urramach Tormod MacLeod, Inbhirnis, a searmoineachadh ann an Gaidhlig air an t-Sabaid a chaidh seachad. Ghabh e mar cheann-teagaisg Sechariah XIII—1. “Anns an la sin bithidh tobar air fhosgladh do thigh Dhaibhidh agus do luchd-aiteachaidh Ierisaleim air son peacaidh agus airson neo-ghloine.” agus is math a thig e dha a leithid sin a rann a laimhseachadh. Tha e cho ealanta air searmoneachadh anns a Ghaidhlig ’s gur mor am beud nach eil e deanamh m’s mo dheth oir chuala mi gur ann gle ainnig a tha e gabhail seirbheis anns an t-seann chainnt aig an taigh. Chan eil ach beag de mhinistearan anns a Ghaidhealtachd aig am beil a leithid a ghibhtean air son Gaidhlig a shearmoineachadh agus is bochd nach b’iad na fior-Gaidheil a bhitheadh a faotainn math nan gibhtean sin. Thaisbean a mhuinntir a bhuineas do Inbhirnis agus a tha ’gabhail comhnaidh anns a bhaile so an speis a bh’ aca do Mhr MacLeoid le bhi cruinneachadh agus a toirt dinnear dha air oidhche Diciadain. Bithidh an ath shearmoin Ghaidhlig againn air a cheathramh la diag de’n ath mhios agus tha mi cinnteach gu’n tional aireamh mhor de na Gaidhil air an la sin oir ’se an t-Urr. Murchadh Mac Ascuil, Inbhir feotharan a tha gu searmoneachadh agus tha cliu mor aige mar shearmonaich air fad na Gaidhealtachd gu leir. “FIR NO FEIDH.” ’Se so is ainm do leabhran beag a th’air a chur a chur a nach le Mr. Mac-a-Ghobhain anns am beil e toirt iomadh firinn fodh ar comhair mu dheibhinn na h-earrainn mhor de ar duthaich a th’air a leigeal a mach fodh fheidh. Tha e ag innseach dhuinn gu’n do chuireadh muillein acair a mach mar so re nan seachd bliadhna ’chaidh seachad agus cha ’n iongantach ged a tha na Gaidheil a dusgadh suas agus a faighneachd cuin a tha stad gu bhi air a chur air an obair aingidh so. Agus a nis nuair a tha iad a faicinn na cuise mar a tha i, tha mi ’n dochas gu’n cum iad nam duisg agus nach leig iad fois sam bith leis an luchd-riaghlaidh gus am faigh iad air ais tir an athraichean. “An tir a bh’aig ar sinnsear riamh “A dhoirt am fuil gu tric ga dion, “An tir a cheannraich iad cho daor, “Airson, gu’m bitheadh an gional saor.” CABAR-FEIDH. April 15mh, 1893. ULLICH AIR SON NA COLERA.—Cum an fhuil glan, an stamag an deagh ordugh agus an corp air fad slan le bhi gabhail B. B. B. a ghlanas agus a nearticheas an corp gu h-iomlan. Cha dearg an colera orra san a tha slan. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADAICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 135] [Vol. 1. No. 50. p. 3] TURUS-FAIRGE DO AMERICA. Air a Bhliadha 1846. Nuair a bha sinn duinte anns an deigh aig an Rutha Thuath, bha mi a’ sealltuinn mun cuairt air gach taobh dhomh, agus cha-n fhaicinn ach aon raon farsuinn de dheigh air uachdar na fairge, cho fada ’s a ruigeadh mo shealladh. Chuimhnich mi an sin air briathraibh an t-Salmadair. “Tilgidh e mach a dheigh mar ghreamannan: co a dh’fhaodas seasamh fa chomhair ’fhuachd?” Bha mi a’ faicinn aig an am sin na deigh sgaoilte mach air uachdar na mara mar ghreamannaibh mora; oir bha i ’na miribh tiugh sgapta mu thimchioll na luinge. Chunnaic mi an sin cumhachd agus morachd an Ti a rinn an deigh, agus a thilg a mach i ’na bloighdibh, cosmuil ri greamannaibh arain, ceathramhnaibh de bhonnach mor arain coirce. Thuig mi mar an ceudna gun robh esan a sgealb ’na miribh i as a cheile comasach air sinne theasairginn bho dhochann sam bith a b’urrainn i dheanamh oirnn. An deigh dhuinn a bhi sia laithean anns an deigh, a’ beachdachadh air sbideanaibh mullaich an Rutha Tuath, agus air aogus liaghlas nan creagan griomach, a bha mar bhalla-dion mun cuairt d’a bhonn, gus a theasairginn bho bhi air a leagail sios le slachdraich nan tonn gailbheach a bha a’ sior bhualadh gun sgur ris an iochdar, thog sinn na siuil ris a’ ghaoith agus sheol sinn air n-aghaidh ris an iar-dheas. Air an latha maireach chaidh sinn seachad air Eileanaibh Mhagdalain, seachd eileanan beaga a tha a’seasamh ann am Muir Labhruinn, mu choinneamh Rutha Labhruinn (Cape St. Lawrence) an Cape Breatunn. Air Di-haoine thainig sainn am fagus do Eilean Prionnsa Eideard, no Eilean Phionnsa Iomhair, ainm a thugadh air bho Phrionnsa Iomhair, Diuchd Khent, athair na Ban-righinn oir b’e an t-ainm a thug na Frangaich air, Eilean Eoin no Eilean Iain, air son Eion Baiste. Chan’eil aon de na h-ainmibh freagarach, agus tha so a’dearbhadh cho bochd, gann-bhriathrach ’s a tha muinntir an latha ’n diugh air son ainmean aiteann an coimeas ris na seann Ghaidheil, aig an robh ainm fa leth air son gach eilean us loch, us cnoc us abhainn us gleann us monadh, a chitheadh iad. Tha mi creidsmn gu math gun tugadh iad an t-Eilean Fada mar ainm air, oir tha e seachd fichean mile air fad agus da fhichead air leud. Sheol sinn seachad air a’ cheann sear de’n Eilean eadar e fein agus Ceap Breatuinn. Cha-n ’eil an t-ainn so freagarrach air an eilean so, nas mo na ainm an eilein eile. Bheireadh na seann Ghaidheil ainm air moran na bu fhreagarraiche. Se an t-Eilean Loch linneach ainm bu fhreagarraich, oir tha e lan lochan agus linneach an uisge. Bha mise ro dheonadh a bhi staigh ann an caladh Phictou air oidhche Di-sathurna, a chun gun searmonaichinn anns a’ bhaile air an t-sabaid; ach a chionn gun robh a’ ghaoth ’nar n-aighaidh cha b’urrainn duinn am port a dheanamh a mach na bu luaidhe na feasgar na Sabaide. Uime sin cha deachaidh sinn air tir gu Diluain. Air an deicheamh la de Mhaigh, chaidh sinn a staigh do phort Phictou agus thilg sinn a mach ar n-acraichean anns a’ chala. Bha sinn naoi laithean deug thar fhichead air a chuan, oir dh’fhag sinn Galascho air an dara latha de April. Fhuair sinn anradh agus stoirm gu leor air an turus, ach bha an Tighearna fabharach, agus thug e sinn gu tearuinte do’n chala bu mhiannach leinn. Uime sin lionadh ar cridhe le subhachas, a chionn gun do theasraig e sinn as gach cunnart. D. B. B. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Ach, tiomchioll an naodhamh uair de’n latha, dhorchaicheadh a ghrian, agus bha a ghealach air a tionndadh gu fuil, thuit reul an bho Neamh mar a thig as caobh-fhige a tigean an-abaich; agus sheas aingeal cumhachdach os cionn a bhaile ag eigheach, Thuit, thuit Babilon! Thigibh a mach aisde mo phobull, chum nach bi sibh comhpairteach d’a peacaibh. Thuit samhchair a bhais air a bhaile. Ghlac mor-dhoilghios a Ban-righinn Scarlaid; chomhdaich i a h-aghaidh. Theich daoine cumhachdach agus comhairlichean chum iad fein fhalach ann an uamhaibh agus ann an slochdaibh na talmhainn, ag radh ris na sleibhtibh agus ris na creagaibh. “Tuitibh oirnne agus folaichibh sinn o ghnuis an ti a tha na shuidhe air an righ-chaithir, agus o fheirg an Uain, oir thainig la mor fheirge-san; agus co a dh’fheudas seasamh?” Nuair a thog a Bhan-righ suas a suilean feuch! air balla a tigh-cuirme an sgriobhadh so. “Tha thu air do thomhas air a’ mheigh, agus fhuaireadh easbhuidheach thu.” Tha am fion nuadh ri caoidh, tha an fhionan lag, tha luchd a chridhe aoibhin uile ag osnaich. Sguir fuaim aighireach nan tiompan; theirig luath ghaire na muinntir a bha ri gairdeachas; sguir aighir na clarsaich, dhorchaicheadh gach aighir; dh’fhagadh leir-chreach anns a bhaile agus le buaireas bhriseadh sios an geata. Chriothnaich bunaitean na talmhuinn, shearg an sluagh as agus chrion iad air falbh. Cha robh fuaim r’a chluinninn, ach a mhain tuireadh agus eu-dochas. Nuair thainig an oidche, bha eagal orra roimh ’n mhaduinn. Ach anns a mhaduinn dh’eirich a ghrian, bha na ballachan na’n seasamh, an turaite agus an teampuill, agus lionmhoireachd an luchairtean neo-atharraichte; thainig an sluagh a mach, aon as deigh aon, cheasnaich iad gach a cheile, agus gu’n aon air dosguinn fhulang, dhichuimhnich iad briathran an aingil, agus bha iad ri malairt, mealltaireachd agus toibheum; “phill am madadh air ais chum a sgeith fein; agus a’ mhuc a chaidh nigheadh, chum a h-aoirneagan san lathaich.” (Ri Leantuinn.) Tha J. B. Thompson, Toronto, Ont., a sgriobhadh. Bha mi tinn le droch-stamaig fad da bliadhna dheug, agus bha mi gle dhona air uairibh. Dh’fheuch mi dotairean us leigheasan ach cha d’fhuair mi faochadh gus an d’fhuair mi K. D. C. Tha mi ’n diugh na’s fhearr na bha mi o chionn iomadh bliadhna. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan. &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 136] [Vol. 1. No. 50. p. 4] E HO NIGHEAN. O cha cheilinn, O cha cheilinn, O cha cheilinn is cha n-aichainn; Cha cheilinn air sluagh an t-soaghail Gu’n dug mi mo ghaol do Mhari. LUINNEAG. A ho nighean, e ho nighean, A ho nighean ’chinn duinn aluinn; Mo chist calinn donn na buaile Dha’n dug mi mo luadh ’s a dh’fhag mi. Dh’innsinn fein gu reidh an fhirinn Ged a bhiodh am Biobull lamh-rium; Tha do ghaol am chridh cho cinnteach; ’S ’tha mhuir a lionadh ’sa traghadh. ’Se do phearsa ghrinn bu bhoidhche, ’Se do chomhradh ceol a b’fhearr leam; Beul ’bu bhinne ’ghabhadh orain ’Dheanadh leanabh og a thaladh. Thug mi corr agus tri bliadhna A sior iasgach air do nadar; ’S bho nach d’ fhuair mi mar bu mhiann leam Thilg mi bhuam an lion ’s am bata. Ach nan gealladh tu mo phosadh Chuirinn gearrain og’ air lar dhuit; Chuirinn do chrodh laoigh do’n mhoine ’S do laoigh og’ a staigh do’n bhathaigh. ’S mairg a dh’earbadh a nighinn, Ged a bhiodh i suidhe lamh riut; Bidh a bial a deanamh suas riut, ’S bidh a cridhe fuar ga t’ fhagail! Bheirinn comhairl’ air na gillean Gun bhi cho cridhail ’sa b’ abhist; An leannan a bh’agam-s’ ’n uiridh ’S muladach a rinn i m’ fhagail. Ged a dh-innsinn dhuibh an fhirinn, Gach aon ni bhon bha mi ’m phaisde Cha chualas sgeula riamh cho cruaidh Ri gaol a thoirt is fuath ga phaigheadh. Thug mi corr is raidh’ an dochas Nach robh goraiche nad nadar. Gus am faca mi le m’ shuilean Fear eil ann an cuil gad thaladh. GU DE ’AI MI MUR FAIGH MI THU. Tha mi mar smeorich an crann Bhiodh an deidh a h-eoin a chall. Seacharan air dol am cheann, Gur beag ’tha ’shannt a chadail orm. LUINNEAG. Hilinn o is hilinn i, Hilinn o is hilinn i, Oganich’s na ho ro i, Gur de ’ni mur faigh mi thu? ’S e mo cheist an gille donn ’Rachadh an crannaig nan long, Ged a bhiodh do phoca lom Gun or, gun bhonn gun gabhainn thu. ’S e mo cheist an gille ban Nach leigeadh a leannan le cach. Teann an nall ’s thoir dhomh do laimh; Cha leig mi dail na ’s fhaide dhuit. ’S e mo cheist Mac-Gille-mhaoil, Broilleach geal na leine chaoil; ’S ann dhuit a thug mi mo ghaol ’Nuair bha mi aotrom, amaideach. ’N giullan sin dha ’n dug mi gaol Nach robh fichead bliadhn’ a dh-aois Nam bu leamsa fearann saor Gur tus’ a ghaoil a gheibheadh e. ’S ged nach h-’eil an gill’ ach og Thu e misneachail gu leoir; ’S ’nuair a gheibh e long fo sheol Cha dig e ’choir an fhearinn so. Cha d’fhuair soitheach smuid no eile suas gu Montreal air a bhliadhna so gu Di-ciadinn s’a chaidh, an treas latha dhe’n t-samhradh, leis mar a bha ’n amhuinn air a dunadh le deigh. Gheibheadh soithichean gu Quebec o chionn corr us mios, agus bha aireamh mhath dhiubh anns a phort sin a feitheamh ri bristeadh na deighe. An uiridh bha am port fosgailte air an treas latha fichead de dh’April. NA’S FHEARR NA RINNEADH RIABH.—Molidh mi Hagyard’s Yellow Oil mar an leigheas as fhearr a rinneadh riabh air son caasdich us cnatan. Tha e agam san tigh a h-uile latha dhe’n bhliadhna. HARRY PALMER, Lorneville, Ont. POSAIDHEAN. Aig Loch Ainslie, April 15mh, leis an Urr. Alasdir Grand, Domhnull MacSuain, ri Seonaid Nic Aonghais. Aig an aite cheudna, April 12mh, leis an Urr. Alasdir Grannd, Domhnull MacGilleain ri Carastiona Nic Aidh. Far nach eil droch stamag cha bhi cholera. Leighsidh K D C droch stamag agus mar sin cumidh e air falbh an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri.” “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 137] [Vol. 1. No. 51. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAI 13, 1893. No. 51. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Thug a Bhan-righinn gairm na’n abradh duine air bith gu’n d’innis an t’aingeal roimh laimh gu’m bitheadh iad air an sgrios, gu’n cuirte gus bas e. Bha gach cridhe air a chruadhachadh. Chaidh guth faidh agus aingil as a’n cuimhne mar sgeul a dh’inniseas neach. Ach bha duine aig an robh ughdarras fo’n Bhanrigh nach do dhi’-chuinhnich an rabhadh. ’Se b’ainm dha “Talamh-Dearg.” Bhuanaich e a bualadh air uchd, ag radh. “A Dhia, dean trocair ormsa ta am pheacach.” Dh-feuch a bhean ri comhfhurtail a thabhairt dha ach fhreagair esan a mhain. “Ghlac m’ eucearta mi, ni’s lionmhoire tha iad na falt mo chinn.” Fhreagair ise “cha’n eil sinn na’s miosa na ar coimhearsnaich” ach ghlaodh esan ni’s mo, “Och is duine truagh mi!” Nuair a dhinnis iad dha gu robh na h-uile nithe a’ fantuinn mar a bha iad o thoiseach, cha d’thug so fois dha; bha e ri bron agus ghuil e fad an latha. Air da bhean s da chlann toirt fanear nach bu droch dhuine e, mar bha cuisean a dol, agus gu’n d’rinn e aithreachas airson a pheacaidhean bha iad air am bioradh ’nan cridhe agus thubhairt iad maille ris, “ciod is coir duinn a dheanamh chum gu saorar sinn?” Lub iad an glun comhlath, agus rinn esan urnuigh, “Dean trocair orm, a Dhe’, a reir do chaoimhneas graidh; a reir lionmhoireachd do chaomh throcairean, dubh as m’ eusantas. Cruthaich annam cridhe glan, a Dhe, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhiom.” Mar as mo bhuanaich iad ann an urnuigh, ’sans bu truime dh’fhas an uallaichean. Cha tug iad aon chuid codal da’n suilean no suain da’n rosgaibh, ach bha iad araon ri urnuigh agus bron comhlath a feithimh ri slainte Dhe. Anns a mhaduinn bha eagal orra an dorus fhosgladh, ach air cluinntinn gleadhar a bhaile, thug Talamh Dearg caog-shealladh a mach. ’Se cheud duine a chunnaic e a choimhearsnach, Sgriobanan oir, aig an Tigh Chuspuinn. (Ri Leantuinn.) Tha na giomich gle phailt air taobh deas an eilean so, gu h araidh timchioll air Eilean Mhadame. Tha iasgairean Arichat a glacadh gach aon far a cheile, ceud gu leth giomach ’sa latha. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Be Dior-daoin a cheud latha samhridh a bh’aginn fhathast. Tha dochas gun lean an t side bhlath a nise, oir tha’n duthich gle fheumadh air. Tha na gobhlain-ghaoithe air tighinn, agus cha tric le fuachd no reothadh mor tighinn nan deigh san. Ann an Toronto, an la roimhe, bha tuathanach da’n ainm Connolly air a thoirt gu cuirt air son gealladh-posidh a thug e do nighinn, gealladh nach robh e deonach a cholionadh. An deigh eisdeach ris na tagridhean air gach taobh thug am breitheamh a mach gu’m feumadh Connolly mile dolair a phaigheadh do’n nighinn. Tha sinn an dochas gum pos e’n ath te da’n toir e gealladh. Aig Fourchu, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, bha duin og da’m b’ainm Robert Armstrong air a mharbhadh le urchir gunna. Bha e stigh leis fhein aig an am agus tha e coltach gun dug e lamh air a ghunna ghlanadh, agus air dha bhi seideadh do’n bharilte gus an stuir a chuir as, dh’fhalbh an urchir gun fhios da agus chaidh am peilear troimh ’cheann ’ga mharbhadh air a bhad. Bi a mhathair a cheud neach a thanig dhachidh agus a fhuair e marbh air an urlar ann an loch fala ’s an gunna ri thaobh. Bha e coig bliadhna fichead a dh’aois agus be ’n aon taic a bh’aig a pharantan. Bha e stuama, deanadach, agus fo dheagh chliu. A reir an lagha rinn seanadh nan Staitean, bha feill an t-saoghil air a dunadh air an t-Sabaid s’a chaidh. Thanig na miltean sluaigh thun nan geatachan, ach chan fhaigheadh sron dhiubh a stigh. Tha iad so, maille riu-san a bha ’g arridh bho thoiseach an fheill a bhi fosgailte air an t-Sabaid, a togail an guth gu laidir an fhidh riaghilt an t-seanidh agus chan eile fhios nach fhaod iad a chuis, fhaghinn leotha. Tha luchd-riaghlidh na feille a cheana a cunntas de na chosdas an fheill fhad sa mhaireas i agus tha iad a deanamh a mach, ged is i feill a’s mo ’s a’s greadhniche chunnic an saoghal riabh, nach paigh i i-fhein no rud coltach ris. Ach dh’ fhaoidte gun tionndaidh cuisean a mach na’s fhearr na tha iad an duil. [TD 138] [Vol. 1. No. 51. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, MAI 13, 1893. Bha blar fuilteach air a chur am Brazil an la roimhe. Tha aireamh mhor de mhuintir na ducha sin ri ar-a-mach an aghaidh an luchd-riaghlidh, agus ’s ann eatorra sin agus cairdean an luchd-riaghlidh a bha’n cath. Chan eil fios cinnteach air cia mar a chaidh dhaibh, no co bhuideann a thug buaidh oir chan eil e soirbh fios fhaotinn a thaobh ’s nach eil an telegraph san duithich sin cho math ’sa dh’fhaodadh i bhi; ach tha aon sguel a fhuaras ag radh gu robh ochd ceud duine air a mharbhadh, nach robh a bhuaidh air taobh seach taobh ach gu bheil an luchd ceannairc a fas nas laidire gach latha. Chan eil cuisean ach gle upraideach an ceann a deas America nuair a’s fhearr iad. Fhuair sinn fios bho aireamh mhath d’ ar luchd-leughidh a thaobh meudachadh a phaipeir, agus tha gach aon dhiubh ag radh, “Deanibh am MAC-TALLA a dha uiread ’sa tha e ’n drasd no beagan na’s mo na sin agus paighidh sinn dolar air a shon gu deonach.” Tha sinn taingeil a chluinntinn gu bheil ar cairdean cho allamh gu bhi toirt misneach dhuinn. NA CROITEARAN. Tha’n Ard-Chamhairle, a chuireadh a mach o chionn ghoirid air son rannsachadh a dheanamh a thaobh frithean nan fiadh, aig obair. Tha air deagh charaide, “Cabar Feidh” da’m bheil sinn an comain air son moran de naigheachdan Gaidhealach a sgriobhadh thuginn a Lunninn mar a leanas:— Bha chiad choinneamh aig na h-ard Theachdairean ann am Port-Righ, san Eilean Sgiathanach air Di-mairt ’s a chaidh agus tha na h-uile coltas orra, leis an doigh anns am beil iad a dol mu’n gnothaich, gu’n dean iad an dichioll air an fhirinn fhaotainn a mach mu thimchioll nan frithean a tha nis fodh fheidh agus a tha freagarrach airsan a bhi air an aiteachadh. Bithidh leughadairean MHIC-TALLA toilichte chluminntinn nach eil iad a deanamh dearmad air a Ghaidhlig anns a chiad dol a nach. So am fios a chaidh a chur iad mun cuairt anns a Ghaidhlig air feadh an Eilean a dh’innseadh gu’n robh a choinneamh gu bhi air a cumail. “Tha mise a toirt sanais gu’m bi coinneamh fhollaiseach air a cumail an uine ghoirid ann am Port-Righ leis na h-ard Theachdairean Rioghail a chaidh a thaghadh gu bhi a fiosrachadh am beil fearann agus ma tha de uiread agus a tha de dh’fhearann ann an Siorramachdan Earra-Ghaidheal Inbhirnis, Rois agus Chrombaidh, Chataibh, Ghallaibh, agus Arcaibh agus Shealtainn, air a shuidheachadh mar fhrith-fhiadh, marshliabh fo eoin-fhraoich, no mar bhlar seilg de ghne air bith no mar fheurach, nach eil fo chroitearan no fo thuathanaich bheaga eile, agus a ghabhadh aiteachadh gu buannachdail no a dh’fhaodadh a bhi air a chur gu buil mhath le croitearan no le tuathanaich bheaga eile. Tha e air iarraidh air munntir a tha air son fianuis a chur fa chomhair nan Ard-Theachdairean gu’n cuireadh iad dha m’ ionnsaidh, sa gun dial, ainmeannan, dreuchdan, agus aiteachan-comhnuidh nam fianuisean a tha toil aca a bhith air an ceasnachadh. Leigear fios gu h-aithghearr de an la agus de an t-aite anns am bi na h ard-Theachdairean a suidhe.” Uilleam Mac Coinnich, Run-chleireach. Aig a choinneamh air De-mairt chuir Mr. J. G. MacAoidhh, Port-Righ, seann charaid nan Croitearan, cuis an t-sluaigh gu poncail fa chomhair nan Teachdairean. Thug e dhaibh cunntas air an t-sluagh a bh’anns an eilean o chionn ceithir fichead bliadhna, nuair a bha iad beo air toradh an fhearainn, agus ged a tha aireamh an t-sluaigh corr agus sia mile ni’s lugha ’n diugh na bha e aig an am sin cha chumadh toradh an eilean suas iad fad da mhios. Tha Mr. MacAoidh ag iarraidh gu’m bi an talamh tha fodh chaoraich air a thoirt air ais do’n t-sluagh oir tha e deanamh mach nach eil buannachadh sam bith ann a bhi cumail chaorach an duigh. Tha na Teachdairean iad fein a dol thairis air na frithean agus na tuathanasan-chaorach chum’s gu’m bi dearbhadh aca gur e’n fhirinn a th’air a h-innseadh dhaibh leosan a tha toirt fianuis mu na cuisean sin. Buaidh leis na seoid! Tha J. B. Thompson, Toronto, Ont., a sgriobhadh. Bha mi tinn le droch-stamaig fad da bliadhna dheug, agus bha mi gle dhona air uairibh. Dh’fheuch mi dotairean us leigheasan ach cha d’fhuair mi faochadh gus an d’fhuair mi K. D. C. Tha mi ’n diugh na’s fhearr na bha mi o chionn iomadh bliadhna. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22: Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 139] [Vol. 1. No. 51. p. 3] AN GLAGAIRE. Bha duine tamh anns an duthaich so ris an abairte mar fharainm An-Glagaire. Air reir cunntais cha robh e trom air fein le obair ann a laithean a neart, cha da chuir e ’bheag air chul a laimh air son latha fliuch, agus nuair a thainig an aois air, mar a thuirt am bard,—“Be a mhuinghin an tuath ’s an deirce.” Bha ’n tuath cothromach timchioll an ait far na thuinich e; bha iad carantach nan nadar agus gle abhcaideach na’n doigh. Bha duine coir anns an aite dh’fhas tinn, ’s bha e cho iosal ’s gu robh daoine am beachd nach faigheadh e thairis air. Bhiodh an glagaire daonnan cuimhneach air dol a choimhead air Aonghas. Bhiodh iad a fagail air gum biodh e dol do dh’aitichean far an caochladh duine an earalas gu freagaireadh aodach an fhir a dh’fhalbh dha us mar bu trice cha bhiodh e air a mhealladh na bharail, no a’ gearain air son a shaoithrach. Ge be de thainig air bha e treis gu dol an rathad tigh Aonghais, ach bhiodh e ’feorach ciamar a bha an duine tinn—co-dhiu bha air curam gum fagadh e an saoghal na gun tilleadh gu slainte tha e doirbh a radh. Se tilleadh gu slainte ’rinn e, ach cha do thachair gun tainig sin gu cluasan a ghlagaire. Thainig e do stor a bha faisg air laimh air lath araidh. An deigh dha fhein ’s don’ bhuirdeiseach treis a thoirt a cnacaireachd dh’fhaighneachd e ciamar a bha Aonhas? “Chaochail e, an cuala tu idir?” ars an buirdeiseach. “A dhuine chridhe! ’s mi nach cuala! agus chaochail e! ma ta be fein an duine coir. Am bheil fad’ on a chaochail e?” “Tha treis ann,” ars’ am buirdeiseach. Thug an glagaire treis na thosd, agus gun an corr dail dh’fhalbh e’s rainig e tigh Aonoghais ma dhorcha na na h-oidhche. Mar a bha clisgeadh an dan dha cha robh Aonoghas ri fhaicinn nuair a chaidh e stigh, bha e ann a rum eile ’s an tigh. Chuir an glagaire failte air na bha a lathair do mhuinntir an taighe a bruidhinn cho comh-chaoidheach ’s a b’aithne dha. Thuig mac fir-an-taighe mar a bha chuis ach cha duirt e facal. Bha an glagaire ’cuir deth: a g’innse ’meas a bh’aig an fhear nach eil a lathair air, us a meas a bha aige fein air-san. “Dean suidh a dhuine,” arsa mac fir an taighe. “Cha mhor gun iarr mi suidhe leis mar tha mi ag ionndrain an duine chaoimh nach eil an so an nochd. S’ mi tha ga m’ leonadh nach cuala mi ann an am gun do dh’eug e ’s gun diginn a ghabhail mo chead deireanach leis. M’ eudal! nach e ’bhas a thainig trom oirbh, agus gu dearbh thainig e trom orm fein!” “Thigeadh a bhas trom oirnn,” arsa ’m fear eile, “ach tha sinn ga fhaicinn a h-uile oidhche air feadh an taighe.” “Marbhaisg ort, a dhuine gun cheill, ged a b’abhaist dhut a bhi ri fealla dha ma dhaoine ’s ma gnothaichean eile na can a leithid ma t-athair caomh a tha tamh ’san uir,” arsa ’n glagaire.” “Cha n’ eil reusan a bhi ga chleth,” ars an gille, “agus faodaidh tu ’bhi cinnteach mar a biodh an fhirinn ann nach toisichinn-sa ri ’ghrathainn,” “Gu sealladh am freasdal orm!” arsa ’n glagaire, “nach eil sin fuathasach. ’S eigin gu bheil rud-eigen cearr! tha gnothach aige ri cuid-eigin.” “Tha e coltach gu bheil, arsa ’n gille. Co aig tha fios nach eil gnothach aige ribh fein o’n a bha sibh cho mor ma cheile.” “Chan eil, chan eil, tha mi ’n dochas, gnothach aige riumsa!” arsa ’n glagaire. “Ciamar a b’abhaist dhuibh fhaicinn? tha mi guidhe gun e thighinn an nochd!” “B’abhaist dhuinn fuaim a chluinntinn anns a rum aige fein, us thigeadh e’n sin a mach air an dorus sin lamh riut anns a cheart aodach ’s am biodh e man d’fhas e tinn,” arsa ’n gille. Bha ’n glagaire truagh a nis gus a bhi as a rian leis an eagal, agus air don ghille bhi ag innse so dha ghluais am fear a bha anns a rum, agus ma ghluais ghluais a fear a bha ’muigh, leum ’e na sheasamh, ach cha d’amais e riabh air teicheadh. Chuir e’ lamhan air cul na cathair’ far a robh e na shuidhe agus aghaidh air an dorus air a robh dul ris an spiorad. Dh’fhosgail an dorus, nochd dearbh choltas fir-an-taighe. “Gun gleidherdh am freasdal sinn” arsa ’n glagaire us e tuiteam ann am paiseanadh. Anns an am sin theich an gille, Cha robh fios aig Aonghas gu de ’bha cearr, rug e air an fhear a bha na shineadh ’sghlaodh i air son uisge, ’s nuair a dhuisg am glagaire ’s a dh’fhosgail e a shuilleam, bha a spiorad ’s greim aig air eadar a dha laimh. Thairis’ a ghabh e rithist, cha bu luaithe ’dhuisgeadh e a paiseanadh ’s a chitheadh e ’m fear a bh’as a chionn na bha e seachad a risthist, gus am beigin do’n ghille a bha, sgaineadh a chridhe chridh ’gairoachdain, tighnni agus athair a thoirt air falbh. Fhuair iad an glagaire bochd a thoirt thuige ach theab nach gabhadh toirt air creidsin nach e spioracp a bh’ann ’s nach ann ris fhein a bha ’ghnothach. Chaidh an glagaire a chumal gus an d’fhuair e gle mhath thairis air a thrioblaid. Cha mhutha chaidh di-chuimhne dheanamh air aodach a chuir air, agus gu dearbh choisin e daor gu leor e. Cha rugear a leas a innse mach do ghabh an cleas ceudna deanabh air riabh tuilleadh. “Ge be ciu th’ ann briag no firinn, Sin agaibh mar dh’innseadh dhomhs e.” ALASDAIR. ULLICH AIR SON NA COLERA.—Cum an fhuil glan, an stamag an deagh ordugh, agus an corp air fad slan le bhi gabhail B. B. B. a ghlanas agus a nearticheas an corp gu h-iomlan. Cha dearg an colera orra san a tha slan. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. Tha’n soitheach smuid Harlaw air toiseachadh air ruith eadar Halifacs us Newfoundland mar-a b’abhist di. Thaghil i aig Sidni ’s aig Sidni-a-tuath air an t-seachdain s’a chaidh, air a ceud turus air an t-samhradh. POSAIDHEAN. Aig I Challum. Chille, April 25, leis an Urr. Ruairidh MacNeill, Callum Domhnullach, Washabuck, ri Mari Dhomhnullach, ’san aite cheudna. BAIS. Aig Sidni-a-Tuath, Mai 8mh, Carastiona bean Mhicheil’Ic Leoid, 26 bliadhna dh’aois. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can. A. J. PEUTAN. FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 140] [Vol. 1. No. 51. p. 4] MARI DHUBH. Latha dhomh ’s mi falbh na sraid, Co ’thachair orm ach mo ghradh, ’S i ’toirt uisg’ a tobar lan; ’S cha bhi mi slan mur faigh mi i. LUINNEAG. ’Mhari dhubh, o hu o ho, ’Mhari dhubh, ho ri ho ro, ’Mhari dhubh ’s a Mhari dhonn, Tha m’ inntinn trom on dhealich sinn. ’S truagh nach robh mis is mo ghaol Air an taobh ud thall de ’n chaol, ’S mur a h-atharrich a ghaoth Gun seol sinn aotrom thairis air. ’S truagh nach robh mis’ is tu fein Ann sa ghleann am biodh an spreidh; S binne thu na fiodhull nan teud ’S an gleus an deidh a theannachadh. ’S ann ort frin a dh’fhas a ghruag Air a pleatadh sios na duail, Ribinn ur ga ceangal suas Is prine cluais ga teannachadh. ’S e mo cheist an nighean chaomh Air an d’fhas a mhala chaol ’S ann aig airidh a chruidh laoigh Thug mise’ ’n gaol nach aithreach leam. Cha n-fheil thu dubh ’s cha n-fheil thu donn, ’S boidheach deas thu air do bhonn; Thuit mo chridhe ’s dh’fhas e trom, A ribhinn donn nam meall-shuilean. ’S gur a mise tha gu tinn, Mi ’dol a laighe leam fhin; Banntraichean ’s iad riumsa strith; Cha taobh mi-fhin te aigeannach. ’S fhad ’s a chi mo shuil a ghrian Tigh’nn bho ’n ear ’s a dol do ’n iar. Cha taobh mi fhin an te ’tha liath ’Sa ciabhagan air tanachadh. HUIL O NA BHEIL AIR M’ AIRE. Tha nionagan an ait s’ cho tairail ’S nach taobh iad le cairdeas mi; Duil ac’ gur h-i ’n aois a liath mi ’S gun mi bliadhn’ ach twenty-three. LUINNEAG. Huil o na bheil air m’ aire, ’S mor an noch na bheil gam dhith; Huil o gur mor mo ghaol ort, Ged nach faod mi ’bhi ga inns’. Thug mi gealltanas do shianar, ’S cha d’fhag iad ach briagach mi; Ach an te a fhuair mo lamh, Ma bhios mi slan cha n-fhag mi i. Ach, a ghaoil, ma rinn thu m’ fhagail, Cha dean mi car slan ad dheidh; ’S tric a dh’fhalbh mi leat air ghairdein Gabhail sraid an gleann an fheidh. ’S tric a rinn mi suidhe lamh-riut Muigh fo dhubhar sgail nan craobh; Bhiodh mo chridhe ’bualadh laidir, ’S to gam thaladh le do ghaol. ISE A FRAGIRT Mo cheist air fir Bhaile Raghail, Bu direach a thairneadh iad sgriob; Cha mhor a b’fhiach iad bhi gan aireamh, Ach mo ghradh sa ’bhi gan dith. Cha n-fheil mo chaol-sa aig baile, Cha n-fheil e idir san tir; ’S ann a chaidh e do Loch Carruin ’Tharruinn sgadain as na linn. Seachdain o’n diugh no o maireach Falbhaidh mi ’s fagaidh mi ’n tir, ’S faodaidh tus ’bhi aig do roghainn Gus an taghail mi thu risd. NA’S FHEARR NA RINNEADH RIABH.—Molidh mi Hagyard’s Yellow Oil mar an leigheas as fhearr a rinneadh riabh air son caasdich us cnatan. Tha e agam san tigh a h-uile latha dhe’n bhliadhna. HARRY PALMER, Lorneville, Ont. Cha robh iasgach an truisg ann an Newfoundland, cho dona o chionn iomadh bliadhna ’sa bha e air an earrach so. Bha iasgach nan ron mar an ceudna gle fhad air ais, na b’fhaid’ air ais na bha e o chionn da fhichead bliadhna. Tha moran de na h-iasgairean air an caradh cho bochd ’s gu bheil aig an luchd-riaghlidh ri bhi roinn bidh us airgiod orra gus an cumail gun bhasachadh le gort. AIR SON DROCH CNATAN.—Bha droch cnatan orm agus leighis mi e le Dr Wood’s Norway Pine Syrup. Is leigheas anabarrach math e, a bheir faochadh ri beagan uine, agus a tha gle bhlasda r’a ghabhail. I. PAYNTER, Huntsville, Ont. Far nach eil droch stamag cha bhi cholera. Leighsidh K D C droch stamag agus mar sin cumidh e air falbh an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” [No. 52 a dhìth] [TD 141] [Vol. 1. No. 53. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE MAI 27, 1893. No. 53. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Dh’eug bean do’m b’ainm Eva Adams leis a bhric ann a Winnipeg o chionn ghorid. Tha ’bhreac anns a bhaile sinn a nis uine mhor agus ged nach eil i sgaoileadh no a fas lionmhor gidheadh tha e a tur fhairtleachadh air luchd-riaghlidh a bhaile cur as di. Feasgar Di-sathairne s’a chaidh rugadh air duin og ann a Halifax agus chuireadh sa phriosan e air son a bhi gabhail air a bhean. Chan eil ach uine ghoirid o’n phos iad, agus mur urrinn dhaibh sith a ghleidheadh san tigh gun an darra aon a bhi sa phriosan, ’s co math dhaibh an tigh a sgaoileadh. Tha fios a Chicago ag radh gu bheil na nithean a chuireadh a Nobh Scotia chum na feille a faotinn cliu mor o na h-uile tha ga’m faicinn. Tha gu h-araidh na measan cho taitneach ri’m faicinn ’s gu bheil e doirbh do na maoir an luch amharc a chumail uapa leis cho miannach sa tha iad air blasad orra. Bha duin og aois cheithar bliadhna fichead aig cuirt am Montreal an la roimhe air son a bhi feuchinn ri tigh’nn ri bheatha. Dh’innis e do’n bhreitheamh gu robh bean sa bhaile air ’n do chosg e tri mile dolair agus an deigh sin gun do dhiult i a phosadh. Chaidh a chur don phriosan fad thri miosan, ach thuirt e gun tigeadh e ri bheatha cho luath sa gheabhadh e ma sgaoil. Bha dithis Iudhach air an crochadh am Pennsylvania an la roimhe air son Iudhach eile a mhort. Bu cheanniche e a bha falbh o aite gu aite le maileid bathair. Choinnich na murtairean air ann an ait iomallach eigin agus mharbh iad e air son a chuid airgid. Theich iad an sin gu Montreal ach an ceann da mhios rugadh orra, chaidh an toirt air ais do na Staitean agus an diteadh gu bas. Tha e air a radh nach robh Iudhach air a chrochadh anns na Staitean riamh roimhe. Bha triuir Iudhach air an diteadh gu bas aon uair ach thanig dithis dhiubh ri’m beatha fein mun danig la a chrochidh, agus chuir an treas fear cul ri creirdeamh aithrichean, air chor ’s nach b’Iudhach idir e nuair a chaidh a chrochadh. Be Di-ciadinn s’a chaidh co-ainm latha breith na Banrigh. Tha i nise tri fichead bliadhna ’sa ceithir deug a dh’aois, agus air an fhicheadamh latha dhen ath mhios bidh i air a chathir-rioghail leth-cheud bliadhna ’sa seachd. Air an t-seachdain s’a chaidh fhuaireadh fear Wilson Mac Leoid, a mhuinntir Sandy Cove am Pictou, marbh ann an alltan beag ri taobh an rathaid. ’Se barail muinntir gun danig laigse air agus gun do thuit e do’n allt far an d’fhuair e bas. Bha aireamh mhor de mhuinntir Shidni us Shidni-a-Tuath a ghleidh latha breith na Banrigh le dhol a mach a dh’ iasgach bhreac. Bha ’n latha cho briagha sa dh’iarradh iad, agus fhuair iad dorlach math eisg, ach mar is tric a thachir se na h-iasgan beaga a ghlac iad; bha ’n fheadhain mhora cho seolta ’s nach digeadh iad an coir nan dubhan! Bha Iacob Peters, tuathanach an ceann a deas Mhanitoba a gabhail an rathaid an la roimhe le each us carbad, nuair a thanig stoirm thairneanach us dhealanach air. Bhual an dealanach e agus mharbh e e air ball; theich an t-each, leis an eagal a ghabh e, agus shlaod e corp an tuathanich na dheigh fad tri no ceithir de mhiltean. Tha naigheachd mhuladach air innse le paipear a Montreal, Bha seana bhean lapach air a cur do’n bhaile ’s air a fagail an sin le a cloinn fhein, an dul gun gabhadh muinntir a bhaile curam dhi ’s gun cuireadh iad do thigh nam bochd i. An aite sin ’s ann a chaidh a cur air ais da’n ionnsidh fhein far ’m bu choir dhi a bhi. Cha b’urrinn do na finneachan fiadhich buntainn ri’m parantan na bu mhiosa. Tha e air a radh gun do gheall Morair Stanley, nuair a thainig e gu Canada mar Ard-riaghladair, gun sgriobhadh e dh ionnsich na Ban-righ a h-uile seachdain ag innse dhi mar a bha cuisean a dol air an aghidh an Canada. Tha e air a radh mar an ceudna gun do sheas e ri ’ghealladh, agus ma tha Bhan-righ a gabhail curam, de na litrichean, bibh iad gle luchmhor an suilean luchd-eachdridh san am ri teachd. [TD 142] [Vol. 1. No. 53. p. 2] MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh. ’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, MAI 27, 1893. Tha MAC-TALLA ’toiseachadh air bliadhn’ ur agus tha sinn an dochas gun dean a chairdean an uile dhichioll air a chumail air adhart. Tha aireamh mhor de luchd Gailig anns an duthich so, agus nan rachadh iad an guaillibh a cheile dh’fhaodadh iad a chumail gu math air a dhoigh. Chan eil teagamh aginn nach dean iad sin, agus gum feuch iad do’u t-saoghal gu bheil iad a cur rompa a Ghailig a chumail suas cho fad ’sa’s urrinn daibh. Tha sinn fada ’n comain na muinntir a chuidich sinn an uiridh agus bhitheamid na b’fhaide nan comain man deanadh iad ar cuideachadh air a bhliadhna so mar an ceudna. Chan eil sinn a faicinn reusan sam bith air a mhuinntir a tha gabhail a MHAC-TALLA a bhi cho tearc sa tha iad. Tha corr math us ochd ceud ’ga ghabhail ach dh’fhaodadh an aireamh sin a bhi air a dhublachadh agus tha dochas math aginn gum bi e sin air an t-samhradh so. Deanadh gach aon a tha ’ga ghabhail an drasda a dhichioll air duine no dithis eile fhaotinn a ghabhas e agus bi’dh am MAC-TALLA an uine ghoirid gle dhaingeann air a chasan. Aig Sidni Mines an oiche roimhe bhuail da charbad-iarinn na cheile, ach gu fortanach cha d’rinneadh call mor sam bith. Bha’n da charbad a tigh’nn rn coinneamh a cheile, agus bha ceo cho trom air tuitean ’s nach fhac iad a cheile gus an robh iad cho faisg ’s nach b’urrinnear an stad. Bhuail iad na cheile agus chuir aon dhiubh car-a-mhoiltean dheth sios am bruthach. Rinneadh beagan millidh air ach bu shuarach e ’n taice ris na dh’fhaodadh a bhi a air a dheanamh. LEIGHEAS EALAMH.—Bha mi fad da bliadhna tinn, agus cha deanadh na dotairean feum sam bith dhomh. Dh’fheuch mi B. B. B. agus leighis aon bhothul mi. ETHEL D. HAINES, Lakeview, Ont. LITIR A LOUISBURG. A CHARAID GHRADHICH,—Tha mi toilichte chluinntinn gu bheil thu an duil do phaipear coir a chuir am meud. Tha mi faicinn gu bheil thusa deonach gniomh uasal a dheanamh ann a bhi cur a mach paipear Gailig gach seachdain, agus tha mise lan dheonach air dolar sa bhliadhna phaidheadh, ’ga do chuideachadh gus am paipear sin a dheanamh cho maiseach aluinn ri aon a ghabhas faotinn. Tha fhios agad gu robh mise deonach sin a dheanamh o chionn fhada, agus tha mi ’n dochas gum bi na h-uile Gaidheal dhe’n bharail cheudna. Tha mi toilichte bhi leughadh litir bho “Lamh Laidir” a Lunninn, agus a chluinntinn gu bheil e cho measail air a Ghailig ruinn fein. Nam biodh fhios aig na h-uile air co uaithe thanig a Ghailig, bhiodh iad na bu mheasaile oirre na tha iad. ’Se mo bharail fhein gu fas i fhathast gu bhi cho ard ’s cho measail sa bha i ri linn Noah. Bidh daoine fagail orm-sa gu bheil mi tuilleadh us deigheil air a bhi moladh nan Gaidheal, ach co a mholas mi mur-a mol mi Clann Dhan a leum bho Bhasan, agus tha mi cinnteach ma chuireas na Gaidhil an guaillibh ri cheile, gu feum na Goill a bhi nan tosd, agus a bhi gabhail meas air cainnt aosda nam beann. MAC DHAN. Thanig dithis iasgairean air tir faisg air Grand River air an t-seachdain sa chaidh an deigh dhaibh moran anraidh fhulang air a chuan. Chaidh an soitheach air an robh iad ag iasgach air chall orra, agus bha iad fad choig laithean ann am bata beag air an iomain a null sa null leis na tonnan, ’s iad gun bhiadh gun deoch, Nuar a ranig iad an cladach bha iad cho lag ’s nach b’urrinn dhaibh tigh’nn as a bhata gun chuideachadh. Bha fear dhiubh nach b’urrinn eadhon coiseachd agus cha robh coltas air an toiseach gum biodh e beo, ach leis an deagh aire a fhuair e, tha e dol gu math am feabhas. Nam biodh iad air a bhi sa bhata beagan uairean na b’fhaide, chan eil teagamh nach biodh am fear so marbh. Thanig bata eile anns an robh ceathrar air tir an ath latha aig Larcheveque ach cha robh iad sin air an caradh cho dona ri cach. Tha na mathain ri sgath mor air caorich aig Gay’s River, N.S. Mharbh iad cheana coig caorich dheuga, ’s tha iad air fas cho dalma ’s gu bheil iad rim faicinn aig na saibhlean re an latha. An enslaint a’s miosa th’ann,—Droch Stamag—an leigheas a’s fhearr air, K. D. C. Glanidh e an stamag agus mi e ’n anail milis, Feuch e! Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUAINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. [TD 143] [Vol. 1. No. 53. p. 3] TURUS DO CHANADA UACHDARACH, RIS AN ABRAR A NIS ONTARIO. Air a Bliadhna 1847. Bha e mu thri uairean sa’ mhaduin nuair a sheas sinn air an traigh, agus bha an latha air fas soilleir gu leor ionnus gun d’thug sinn an aire do bhothan beag os ar ceann a chum an deachaidh sinn gu teine fhadadh los ar tiormachadh. Fhuair sinn sinn-fein air ar tilgeil air tir am measg nam Frangach ann an Canada Iochdarach. Dh’eirich am Frangach a bha chonaigh sa’ bhothan agus leig e a staigh sinn; chuir e beagan connaidh air an teine chum gun garamaid sinn fein, agus nochd e caoimhneas nach bu bheag dhuinn. Sheol e sinn a dh-ionnsuidh taigh Frangaich eile a labhradh Beurla gu math oir cha robh Beurla aige fhein, agus nuair a rainig sinn an taigh sin chuir iad teine mor fiodha a chum gun tiormaicheamaid sinn fein agus ar n-aodach a fhliuch an tonn mor. Mar so nochd an sluagh caoimhneas duinn, mar a nochd iad do’n Abstol Pol nuair a chaidh e air tir aic Eilean Mhelita. Fhuair sinn uile tearuinte gu tir, agus cha robh call sam bith ann ach a mhain call na luinge, oir bha an Tighearna grasmhor dhuinn, agus shaor e sinn as a’ chunnart. Nuair a thiormaich na seoladairean iad fein, chaidh iad a mach a dh’fhaicinn na luinge, a bha ’na laidhe air a’ chladach, ach beag tioram, nuair a thraigh a ’mhuir, agus thug iad gu tir gach ni a b’urrainn daibh; am measg nithean eile thug iad gu tir da chiste leam-sa, anns an robh mo chuid aodaich, ach dh’fhag iad air bord na luinge tri bocsaichan, no tri cisteachan anns an robh mo leabhraichean, agus dhiult iad dol air an ais gus an toirt air tir. Bha mi ro dhiombach air son sin, ged a bha sinn la no dha a’ feitheamh aig an aite. Chaidh sinn an sin air bord luinge briste, lan fiodha, a bha dol anaird gu Quebec gu bhi air a caramh, ach dh’fhag mise gille og d’an b’ainm Alastair Ros de mhuinntir Chataoibh, a ghabh os laimh fuireach aig an luing, a chum gun tugidh e leis mo leabhraichean nuair a gheibheadh e cothrom air long sam bith eile a’ dol gu Quebec. Bha an long air an robh sinn a’ dol anaird fosgailte air a druim, oir bhriseadh an t-slat droma no an t-sail-dhroma dhith nuair a chaidh i air a’ chladach leis an stoirm ach bha i lan fiodha agus mar sin shnamhadh i mar gum bu rath a bhiodh ann. Rainig sinn Quebec air an 28mh la de Mhaigh oir bha sinn corr agus seachduin air ar turus. Dh’fhuirich mise ann an Quebec gu Diluain an 31mh la: agus an sin chaidh mi air bord bata-toite, no smuid-long d’am b’ainm, “Iain Munna.” (John Munn) a bha dol gu Montreal. Rainig mi am baile sin air maduin Dimairt a cheud la de Iune, agus ghabh mi direach air m’ aghaidh gun stad le bata smuid a bha dol gu By-town, bail a bha air bruaich na h-Aibhne Moire, Ottawa, laimh ris an Eas, d’am b’ainm an Coire Mor (Great Chudiere).Theirear Ottawa ris a’ bhaile so a nise, ceann bhaile Ard-thighearnais Chanada, far am bheile an Ard Pharlamaid a’ coinneachadh agus an t-Ard riaghladair a’ fuireach. Cha robh ann ach baile beag cuil aig an am ud, anns an robh mu ochd mile sluaigh a’ gabhail conaigh. Rainig sinn am baile air maduin Di-Ciaduin, ach dh’fhan mise seachduin anns a bhaile a’ feitheamh gus an tigeadh cuid eigin gu m’iarraidh a Beckwith an t-aite gus an robh mi a dol. An ceann seachdain thainig Alastair Mac Eoghain le inneal giulain gus mo thoirt leis, agus mar sin chaidh mi oir m’adhart gu Beckwith. Air an 29mh la de mhios Iune, thainig an gille og Alastair Ros, leis na leabhraichean agam; dh’fhuirich e aig Matane gus an d’fhuair e long a thug anaird e gu Quebec. Phaigh mi dha ochd dolair dhiag air son a dhragh agus air chul sin bha mi ro thaingeil da a chionn gun do shabhail e mo leabhraichean, oir cha cheannaicheadh ciad dollar na bha ann diubh. D. B. B. TURUS A MHARAICHE. Bha na sraidean air an domhlachadh. Bha Talamh Dearg ann an ioma-chomhairle ciod air an smuainicheadh e; bha fiughar aig gu’n taomadh na speuran nuas teine, ach bha na speuran ciuin agus soileir. Dh’fosgail e’n dorus agus thug e sanais do Sgrioban-an-Oir, ach fhregair esan: nuair a bhitheas uine agam thig mi a t-ionnsuidh. Thug airgiod bean “shiubhail na’m bailtean” gliong air bord buth Sgrioban-an Oir. Chuir Talamh Dearg stad air daoine araidh air an t-sraid, a dh’fhaigneach mu ghuth an aingil. Fhreagair iad; “Bitheamaid dichiollach ann an gnothuichibh.” Phill e gu tursach da thigh, an iomachomhairle eadar dha bharail; bha briathran an aingil a sior sheirm na chluasan, chreid e iad, agus bha eagal ro mhor air. Ach ciamar a dh’fhagadh e ’m baile. Bha e beartach, agus air fas ann an saoibhreas. Nan rachadh e mach chailleadh e so uile. Fad an la so uile bha e mar dhuine air mhi cheil. Bha pheacaidhean os a chiom mar neul dubh, ullamh gu briseadh ann am breitheanas air a cheann. Bha e ri urnuigh agus trasgadh a latha agus a dh-oidche, bhuanaich e ann an trioblaid chraiteach gus fadheoidh an robh e na bhall sgeig da choimhirsnich agus na oran daibh fad an latha. Shearg e as gu faileas le tinneas cridhe, gidheadh sann bu mho bha e ri urnuigh “O Thighearn, greas chum mo chuideachaidh!” An sin chualas cnap aig an dorus aig marbhantachd na oidhche: “Feuch, tha mi a’m sheasamh aig an dorus, agus a’ bualadh; ma dh’eisdeas neach sam bith ri m’ ghuth agus gu’m fosgail e’n dorus thig mi a steach d’ a ionnsuidh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille rium-sa. Ged bha e cho lag ris a cheo, chrub Talamh Dearg dh’ionnsuidh an doruis agus dh’fhosgail se e. Sheas aon a muigh sgeadaichte le falluinn a rainig sios gu ’shailibh agus crioslaichte le crios oir mu chiochaibh. Bha a cheann agus ’fholt geal mar oluinn ghil, mar shneachda agus a shuilean mar lasair theine. (Ri leantuinn.) AM BODHAR A CLUINNTINN.—Bha mi fad bhliadhnichean leth bhodhar agus air a gheamhradh s’a chaidh, ’s gann a chluinninn diog. Ach an deigh Hagyard’s Yellow Oil fheuchinn leighis e mi gu buileach. Mrs. Turtle Cook, Weymouth, N. S. Bha Montreal air a bhualadh an la roimhe le stoirm, a rinn troimhe cheile mhor fhad sa mhair i, ach cha robh call mor sam bith air a dheanamh. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 144] [Vol. 1. No. 53. p. 4] SEAN FHACAIL. Is tearc teanga mhin gun ghath air a cul. Is toigh leis an Fheannaig a h-isean garrach gorm. Is treasa da chailleach lag na aon chailleach laidir. Is treun fear an eolais. Is tric a bha fortan air luid, ’s a fhuair trusdar bean. Is tric a thanig trod mor a aobhar beag. La Fheill-Brighde baine bheir na cait an connadh dhachiadh. Luath no mall g’an tig am Maigh, thig a chubhag. Ma bhuaileas tu cu no balach, buail gu math e. Ma chumas tu do dhubhan fliuch an comhnaidh, gheibh thu iasg uair-eigin. Ma’s beag mo chas cha mho mo chuaran Ma’s math an t-each’s math a dhreach. Cha d’fhuair droch bhuanaiche riamh deagh chorran. Cha do bhrist modh ceann duine riamh. Cha d’fhuaradh an Donas riamh marbh air cul garaidh. Ceannaichidh a h-uile fear an droch-bhean ach am fear aig am bi i. Ceannard air fhichead air an fhichead saighdear. Bu dual do isean an roin a dhol thun na mara. An uaisle ’ga cumail suas a dh’aindeoin. Am fear a’s fhaide ’bha beo riamh, fhuair e’m bas. ’GHRUAGACH AIR A BHEIL MI ’N GEALL. LUINNEAG. ’Ghruagach air a bheil mi ’n geall, Gruaidh mar chaorann dearg ait crann, Chaileag bhoidheach a chuil duinn, ’S gil’ thu na sneachda nam beann. ’Se mo ghaol a ghruagach bhinn Dha ’m math da’n dig gun de’n t-siod’; Ruigeadh do litrichean mi. Ann sna h-Innsean fada thall. ’Se mo ghaol a ghruagach og. ’S grinne ’dh’fhuaigheas le a meoir; B’ fhearr leam gealladh ort is coir Na na bheil de dh’or ’san Fhraing. ’Nuair thigeadh am foghar trath, Air a bhuain cha bhiodh tu cearr; ’Nuair ghlachdt’ coran leat ad laimh Dh’fhaodadh cach bhi deanamh bhann. ¦ Is ma phosas mi gu brath. Gheibh mi ’n te ’tha dhomh an dan; Ge b’e ait a bheil a tamh, Gheibh mi fath air dol na cainnt. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. HO RO EILEINICH. Tha falt mo chinn a dol gu lar On chaidh thu Ghlaschu nan Sraid; Chuala mi gun dug thu gradh Do nighinn bhain Mhic-Amhlaidh. Ho ro Eileinich ho gu, Ho i rithil ho i u, Ho ro Eileinich ho gu, ’S ann ’tha mo run s’ air Ghalldachd. Ma rinn thu sin cha d’ rinn thu ’choir, Cha b’e sin a gheall thu dhomhs’; Gheall thu dhomh nam biomaid beo ’Gum posamaid sa Gheamhradh. S cinnteach leam gur fior a chuis Mar thuirt an sean-fhacul rium, Fad o ’n chridhe ’s fad o ’n t-suil; Tha mis’ a ruin an call dheth. ’S og a thug mi dhuit mo ghaol Ann an sgoil Mhic-Gille-mhaoil, Na mo shuidhe ri do thaobh Bu chaomhail leam bhi cainnt riut. Nuair a bhiomaid air an fheill Far’m biodh cruinneachadh nan ceud, Bu leam t’fhuran ’s do ghean fein, ’S tu ’falbh gu ceutach lamh rium. Nuair a thiginn gu do bhuth Ged bhiodh ceudan mu na buird, Readh tu seachad air an cul Gu crun a chur ’nam laimh-sa. ’S iomad caileag ’th’ ort an toir Cha n-fheil sud mar ionghnadh oirnn; ’S boidheach maiseach Domh’ll Mac-Leoid, ’S b’ e ’n t-oganach gun mheang e. Far nach eil droch stamag cha bhi cholera. Leighsidh K D C droch stamag agus mar sin cumidh e air falbh an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail nan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 145] [Vol. 1. No. 54. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 3, 1893. No. 54. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Tha buntata us coirce a reic ’an Eilean Phriunns Eideard air da fhichead sent am buiseal. Tha an t-side gle bhriagha ’san eilean sin agus tha na tuathanich an ire mhath a bhi ullamh dh’en churachd. On a thanig an samhradh tha baile St. John’s, Newfoundland, ga chur air a bhonn gu bras.Tha taighean us storichean ’gan togail air gach taobh, ’s a reir gach coltais tha ’m baile gu bhi fada na’s fhearr air a chuir suas na bha e roimhe. Tha bata-smuid ur ri bhi air lochan a Bhras d’Oir air an t-samhradh so; bi’dh i a ruith eadar Caolas Chanso, St. Peter’ us na Narrows Mhora. Chan eil ach tri bliadhna bho na chaidh a togail agus tha i air a meas a bhi na bata laidir, gle fhreagarrach air son an aite ’sam bheil i ’dol, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha nighean da’m b’ainm Rosalie Buntrock, agus a leannan Fritz Erbe, air an cur gu bas am Berlin, baile-mor na Gearmailt air son mort. Bhriag iad dithis nighean oga do’n choille agus mharbh iad iad air son an cuid airgid, Se mort cho graineil s a rinneadh ’san duthich sin o chionn fhada. Bha Seumas Grace, a mhuinntir Lingan, aon la air an t-seachdain s’a chaidh a gabhail an rathaid le each us cairt; bha an t-each og, sgianach, agus ghabh e eagal romh rud-eigin a chunnic e, theich e agus thilg e a chairt thairis air muin a mhaighstir. Bha Mr. Grace air a leonadh cho dona ’s gun tug e bhas Di-haoine s’a chaidh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa tri a dh’aois. Tha na tuathanich a nis an teis-meadhon na curachd, agus tha ’n t-side gle fhabharrach, agus an aimsir gle ghealltanach. Ged nach danig fior theas fhathast no eadhon am blaths bu choltach a bhi aginn mu’n am so ’n bhliadhna, tha ’m feur ’s am fochann a fas gu briagha, agus an caochladh aitean tha e na’s fhearr na bha e mu’n am so air a bhliadhna chaidh seachad. Mur biodh cho gann sa bha biadh spreidh deireadh an earrich, dh’fhaodadh na tuathanich suil a bhi aca ris a bhliadhna so bhi na bliadhna shoirbheachail. Tha muinntir Newfoundland an drasda a ceannach moran de’n cuid guail am Breatuinn, agus tha iad a deanamh gun tig e na’s saoire dhaibh na gual Cheap Breatuinn. An la roimhe thanig soitheach gu Newfoundland a Cardiff an Wales, le da mhile ’s ochd cead tunna guail air bord. Tha luchd-riaghlidh feill an t-saoghil an deigh an fheill fhosgladh air an t-sabaid mar air laithean eile ged a tha lagh nan Staitean ag radh nach fhaod i bhi fosgailte. Bha na geatachan fosgailte a cheud uair air an t-sabaid s’a chaidh, agus chaidh moran sluaigh a stigh. Di-sathairne s’a chaidh bha ceud mile duine air an fheill, an aireamh bu mho a bh’ann fhathast. Cha robh riabh roimhe aireamh cho mor de shoithichean Geancach ag iasgach runnich mu chladichean Nobha Scotia us Cheap Breatuinn ’sa tha ann air an t-samhradh so. Tha cabhlach mhor dhiubh ann cheana agus tha tuilleadh a tighinn. A leantuinn na cabhlich so tha long aig a bheil air bord muinntir a tha air an cur a mach a rannsachadh mu iasgach an runnich, na doighean air am beilear ’ga ghlacadh, ’s gach ni eile ma thimichioll. Chan eil e air innse dhuinn gu de ’ni iad leis an fhoghlum a gheibh iad mar so, no co dhiu ’se am math fein no math an runnich a tha ’nam beachd. Tha duin’ iongatach an drasd aig Sidni-a-Tuath, a thanig a Newfoundland air an t-soitheach-smuid “Harlaw.” Tha e leth cheud bliadhna ’sa h-ochd a dh’aois, agus chan eil e ach ochd oirlich fhichead a dh’airde. Cha do dh’fhas a lamhan no ’chasan oirleach o’n bha e bliadhna gu leth a dh’aois, agus chan eil cnamhan annt’ idir; tha e uime sin eu-comasach air dad sam bith a dheanamh le ’lamhan no le ’chasan. Tha a cheann ’s a choluinn cho mor ’s cho cumadail ’s bu choltach dhaibh, agus neor-thaing nach teid aig air seanachas a dheanamh. Tha e air a thurus gu feill an t-saoghil, agus tha e ’n duil airgiod gu leor a dheanamh air a thurus gus fharadh a phaigheadh. [TD 146] [Vol. 1. No. 54. p. 2] MAC-TALLA. RABHADH. Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid’h MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bi’dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolan us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 3, 1893. Tha aon de na tha ’gabhail a MHAC-TALLA an Eilean Phictou a cur thuginn an airgid air son am paipear a chumail ris bliadhn’ eile, agus na ’litir tha e ’g radh mar so;—“Tha e toirt toil-inntinn mhor dhuinn a bhi faighinn a phaipear Ghailig, ged a tha e cho beag sa tha e. Tha sinn ro fhad’ an comain Dr. Blair air son nan eachdridhean a tha e ’sgriobhadh mu nithean a thachir san am a dh’fhalbh an tir ar n-aithrichean. Tha mi duilich gu bheil agam ri radh gu faca mise le’m shuilean fein tuilleadh s’a choir de sharuchad nam bochd, ged nach ur rinn domh a chur an ordugh cho math ri Dr. Blair.” Tha na h-uaislean a tha ’reiteachadh cuisean mu chuan Bhering fhathast am Paris, rg eisdeach ris na tagridhean a tha fir-lagha gach duthich a a deanamh air son a bhreith a bhi falbharrach da dhuthich fein. Tha Sir Tearlach Russel air taobh Bhreatuinn an deigh oraid mhor a dheanamh anns a bheil e a deanamh a mach nach robh coir sam bith aig na Staitean air na roin na’s mo na bha aig rioghachdan eile, ’a gu bheil lan choir aic’ air paigheadh air son a challa ’rinn i air soithichean Chanada. Cho-dhuin Sir Tearlach an oraid ann am breathran cho tuigseach ’s cho taghta ’s gun d’fhuair e cliu mor bho na bha ’ga eisdeach. Tha aon oraid eile ri bhi air a luibhirt le Mr. Webster air taobh Bhreatuinn agus an sin bidh na h-uaislean a feuchinn ri breith a thoirt. Tha sinn an dochas gu’m bi a bhreith sin, nuair a thig i, grinneach agus ceart agus nach bi aig taobh seach taobh ri radh nach d’fhuair iad on coir fhein. GLE-CHOLTACH: Tha iomadh tinneas an Canada a tha gle choltach ris a Cholera, mar a tha dibhuirt, goirteas, &c. Air an son so uile tha Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry na leigheas cinntach. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad, bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach, air son dolair gu leth. COMH-SHEIRM GHAIDHLIG ANN AN LUNNUINN. Thug class Gaidhlig Lunnuinn obair a gheamhraidh gu crich ann an doigh gle thaitneach air oidhche Diardaoin. A bharrachd air a bhi ’g ionnsachadh a Ghaidhlig a bhruidhinn agus a sgriobhadh thug iad oidhirp re a gheamhraidh, le cuideachadh an Leighich Mac Ill-Iosa, air a bhi seinn nan oran mhilis, bhinn sin nach eil ri ’m faotinn an canain sam bith eile, agus dhearbh iad, leir a chuirm chiuil a dh’ullaich iad airson an cairdean Diardaoin, nach robh an saothair diomhain. Mar chi silbh bho “Ordugh na Comh-sheirm” a tha mi toirt dhuibh aig deireadh na litreach so cha robh facal ann ach Gaidhlig bho thoiseach gu deireadh “gun eisiomeil do’n Bheurla.” agus ged is ann an Lunnuinn a dh’ionnsaich moran de bhuill na coisir an cuid Gaidhlig cha’n aithnicheadh neach sam bith sin air an t-seinn. Leig na Gaidhail ris, leis an doigh anns an do lion iad an Talla gu’m beil iad an comhnaidh ullamh gu ’mheas fhein a chuir air ni sam bith de’n t-seorsa so a tha da rireadh Gaidhealach, agus bha e ri fhaicinn na ’n gnuisean nuair bha iad a fagail na Talla nach bitheadh e idir duilich an toirt cruinn a rithist gu coinneamh de’n t-seorsa cheudna. Nuair a bha ’n t-seinn thairis, rinn Mr. Cailean Siosal oraid ghoirid anns a Ghaidhlig a toirt taing do’n Leighich Mac ’Ill-Iosa agus do bhuill na Coisir airson an oidhche ghasda ’bha iad air cur seachad agus aig radh gu’n robh e ’n dochas nach b’fhada gus an cuireadh iad suas Comh-sheirm eile. So an t-ordugh anns an robh na h-orain air an gabhail, maille ri ainmean an luchd seinn A CHIAD EARRANN. Port air Phiob. Eoghan Mac Dhomhnuill agus Gilleasbuig Mac Aoidh. Moladh na Gaidhlig. A’ Choisir Bruthaichean Ghlinn Braoin. A’ Choisir “C’ait’ an caidil Ribhinn?” Alasdair Hepburn. Seanachas—“Clann nan Gaidheal”. Ian Mac Coinnich. “Och! mar tha mi”. Bmhr. Camshron. Moladh na Lanndaidh. A’ Choisir. Port air an Fhiodhull. Ian MacaPhearsoin. Comha na h-Oighe. F. Mac Ghillebhuidhe. “Ged tha mi gun chrodh gun aighean”. A’ Choisir. AN DARA EARRANN. Piobaireachd “A Bhratach bhan” Domhnull MacAoidh. “Thainig an Gille dubh”. Anna Nic Artair. “Chrodh Chailein”. Deorsina Nic Aoidh, Anna Nic Artair, agus Giorsal Nic Aoidh. Comhradh. eadar Alasdair Hepburn. agus Domhnull MacAoidh. “An Cluinn thu Leannain”. F. Mac Gillebhuidhe. Cumha Mhic Criomain. Giorsal Nic Aoidh Fiodhlaireachd. Ian MacaPhearsoin. “Faill-ill-o agus Ho-ro eile”. Alasdair Hepburn. “Ho-ro mo nighean don bhoidheach”. A’ Choisir. Port-dealachaidh. “Gabhaidh sinnan rathad mor”. Na Piobairean. CABAR FEIDH. Lunnuinn, Mai 13mh, 1893. Tha aon duine deug ann an Sidni air an toirt gu cuairt air son a bhi ’reic deoch laidir. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain “Kharm.” Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus ’se ’n “Raymond” agus an “New Williams” am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c. ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bha thri sentichean suas curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C S. JOST, & Co. Iun 1, 1883. [TD 147] [Vol. 1. No. 54. p. 3] COMRADH EADAR ALASDAIR AGUS DOMHNULL. [So an “Comhradh” a bha air aithris eig a Chomh-sheirm Ghaidhlig, le dithis ghillean oga—aon diubh deich bliadhna agus am fear eile dusan.] Alasdair—Ciamar tha thu ’nochd a Dhomhnuill, ’s beag duil a bh’agam gu’n tacharainn ort an so. Domhnull—’Se ’ni ris an lugha tha dhuil againn a tha gu tric a tachairt, ach de ’n t-aobhar ionghantas a th’ann dhuit mise fhaicinn an so, c’ ait am faigheadh tu mi ach far am bitheadh na Gaidheil agus a Ghaidhlig? A.—’Sann a bha mise ’n duil nach robh moran Gaidhlig agad. D.—Cha bhitheadh sin agam mar be gu’n do ghabh mi urrad a dragh ’s gu’n do h’ionnsaich mi i. A.—Ach ciamar a dh’ionnsaich thu i agus gu’n d’rugadh ann an Lunnainn thu? A.—An e sin a tha thu ’g radh? Tha ni’s mo de Ghaidhlig ann an Lunnainn no th’ann an iomadh baile anns a Ghaidhealtachd. Tha mi ’n dochas nach eil thu ’smuaineachadh gur Sassunnach mi bho ’n a bha mi cho mi-fhortanach ’s gu’n d’rugadh anns a bhaile so mi. A.—’S beag a th’ort de choltas an t-Sassunnaich le d’fheileadh-beag de bhreacan Mhic Aoidh agus do bhoinead biorrach gorm, ach ciamar a chaidh agad air greim cho math fhaighinn air a Ghaidhlig, ’se sin a tha cuir ionghantas ormsa. D.—Innsidh mi dhuit mata: Bha sgoil Ghaidhlig air a cumail anns a bhaile so fad a gheamhraidh agus cha robh mise cho beag ciall ’s gu’n leiginn le leithid sin a chothrom dol seachad. Rinn m ’fhear-teagaisg na b’urrainn da air mo shon agus ged a tha beagan de bhlas na Beurla air mo Ghaidhlig fhathast tha mi ’n dochas gu’n caill mi sin ri uine. A.—Seadh, direach: Ach co chuir an Sgoil Ghaidhlig so air chois! D.—Co ach Cominn na Gaidhlig, na daoine coir a tha deanamh urrad air son na seana chainnt. A.—Air m’fhacal: nach be na laoich iad, a teagaisg na Gaidhlig ann am baile-mor nan Sassunnach? D.—Faodaidh sin a bhi ’cuir ionghantas ort ach feumaidh tu cuimhneachadh gu’m beil moran ni ’s mo air a shaoilsinn de’n a Ghaidhlig an nis na bha o chionn beagan bhliadhnachan. Chuala mi gu’n robh i aca ann an Oilthigh Lunnainn o chionn seachduinn no dha. A.—Tha mi gle thoilichte sin a chluinntinn bho neach a tha cho eolach air na cuisean sin riut fein, oir tha iomadh neach a their rium gu’m beil i ’dol bas na h-uile la. D.—A dol bas gu dearbh. An ath neach a chluinneas tu ag radh sin faighnich ris am beil fhios aige co meud sluaigh a th’ann an Alba a labhras i, agus nur eil innis da gu’m beil 254,413. Tha sin 22,811 ni’s mo na bh’ann o chionn deich bliadhna. Nach mor coltas dol bas a th’ air a sin? A.—Cha b’ioghnadh tu a radh: Ach gu dearbh a Dhomhnuil mur be gu’r tu fhein a tha ga innseadh dhomh cha mhor gu’n creidinn e. D.—Cha ruig thu leas m’fhacal-sa-ghabhail air a shon; faodaidh tu fhaicinn ann am paipeir-naigheachd Gaidhealach sam bith air an cuir thu do lamh! A.—Ma ta ’s mi ’tha toilichte, agus gu ma fad’ air falbh la bais na Gaidhlig. D.—’Si sin guidhe gach fior Ghaidheal, ach tha mi ’faicinn gu’m beil e fas anmoch: Oidhche mhath leat Alasdair. A.—Mar sin leat fhein agus moran taing dhuit airson do naigheachd. TURUS A MHARAICHE. Thainig e steach, ag radh, “Sith gu robh do’n tigh so!” agus mar an ceudna, “feuch a ta mi ag innseadh dhuibh deadh sgeil mhor aoibhneis; tha spiorad an Tighearn orm do bhrigh gu’n d’ung e mi a shearmonachadh an t-soisgeil do na bochdaibh; chuir e mi a shlanuchadh na muinntir aig am bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdibh, agus aiseag an radhairc do na doill a thoirt saorsa do’n mhuinntir a’ ta bruite.” Nuair chuala Talamh Dearg na briathran so, leum a chridhe le gairdeachas; ghairm e a bhean ’sa chlann, a ghabh iongantas roimh ’n choigreach. Thubhairt Talamh Deag riutha, “tha Slainte air teachd dh-ionnsuidh an tighe so.” Chuir a bhean biadh air beulaobh a choigrich. Ghabh e aran, bheannaich se e, bhrist, agus thug e dhaibh e, ag radh “ithibh uile dheth.” Bha eagal air Talamh Dearg fheorach dheth, Co thu? Nuair a dh-ith an coigreach maille riu, dheirich e air a chasan, agus bha ionghadh orra nuair a chunnaic iad a lamhan air an leon, mar gu’m bitheadh iad air an tolladh le tarunn. Thubhairt e riu: Is mise an ti a ta beo, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beo gu saoghal nan saaghal. Nuair chuala Talamh Dearg na briathran so, chriothnaich e o bhonn a choise gu ruig an ceann: thuiteadh e, ach chuir an coigreach a lamh air agus fhuar e spionnadh nuadh. Labhair e an sin riu ag radh, “Eiribh, agus imichibh.” Dh’fheoraich Talamh Dearg. “C’ait, a Thighearn?” Fhreagair esan, “innsear dhuit ciod is coir dhuit a dheanamh,” agus chaidh e as an t-sealladh, ga’m fagaln a-sa gul le aoibhneas. (Ri leantuinn.) Chuir Breatuinn o chionn ghoirid ceud mile dolair air leth gus a phaigheadh do shoithichean iosgich Chanada air an robh call air a dheanamh an cuan Bhering tre ’n chomhsri a bha eadar Breatuinn ’s na Staitean. Bha sgioba a h-uile soitheach a dh’fhuiliug call ri ’n gearain a chur a stigh agus bha’n fheadhain aig an robh an t-arigiod ri roinn ri fhaicinn gu’n faigheadh gach aon ceartas. Bha an ceud mile dolair mas sin air an roinn eatona-san aig an robh coir air, Dior-daon air an t-seachdain s’a chaidh. Tha F. H. Hewett, Jamaica, a sgriobhadh Bha mi tinn le cion cnamhidh uine mhor, agus bha mi fo laimh dotair nach do rinn feum sam bith dhomh. Dh’fheuch mi K. D. C. agus rinn e feum mor dhomh. Tha mi cinnteach gun toireadh e faochadh do neach sam bith air a bheil meur sam bith de’n euslaint cheudna. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 148] [Vol. 1. No. 54. p. 4] IS TOIGH LEAM A’ GHAIDHEALTACHD. LE IAIN CAIMBEAL, BARD NA LEADAIG. Is toigh leama’ Ghaidhealtachd Is toigh leam gach gleann, Gach eas agus coire An duthaich nam beann; Is toigh leam na gillean ’Nan eideadh, glan, ur ’Us boineid Ghlinn-garaidh Mu’n camagan dluth. Is toigh leam ’n an deis iad O’m mullach gu’m bonn, Am breacan, an t-osan, An sporan ’s an lann; Is toigh leam iad sgeadaicht’ An eideadh an tir. Ach ’s surach an deise Seach seasmhachd an cridh’. Sheas iad an duthaich ’S gach cuis agus cas, Duais-bhrathaidh cha ghabadh Ged chuirt’ iad gu bas; ’S ged sharaicht’ an spoirad ’S ged leigte an ceann, Bha’n cridhe cho daingeann Bi carraig nam beann. Is toigh leam na h-igh’nagan ’S b’ainneamh an t-am Nach bithinn ’n an cuideachd ’N uair gheobhainn bhi ann, ’S na’m faighinn-se te dhuibh A duthaich mo chridh’. Gu’n suibhlainn-se leatha Gu iomall gach tir. Is toigh leam a’ Ghaidhlig A bardachd ’s a ceol, Is tric thog i nios sinn ’N uair bhiodhmaid fo leon, ’S i dh’ionnsaich sinn tra’ Ann an laithean ar n-oig, ’S nach fag sinn gu brath Gus an laidh sinn fo’n fhoid. Nis tha duthaich ar gaoil Dol fo chaoirich ’s fo fheidh, Sinn ga’r fuadach thar saile Mar bharrlach guu fheum; Ach thigeadh an cruaidh-chas, ’S co sheasas an stoirm! O, co ach na balaich Le’m boineidean gorm! Canar an gaisge ’S an domhan mu’n cuairt, Air sgiathaibh na gaoithe Ga sgaoileadh thar chuan, ’Us fhad’ ’s a bhios rioghachd Na seasamh air fonn, Bidh cuimhne gu dilinn Air euchdan nan sonn. ’S ma ruisgear an claidheamh A rithist gu strith, Ged ’s ainneamh ar cuideachd, Bith trusadh ’n ar tir; Bidh clanna nan Gaidheal Ri aghaidh gach cas, ’S iad gullainn ri guallainn, Gu buaidh no gu bas. LEIGHEAS EALAMH.—Bha mi fad da bliadhna tinn le ceangal-cuinn agus cha b’urrinn do na dotairean feum sam bith a dheanamh dhomh. Ach dh’fheuch mi B. B. B. agus leighis aon bhotul mi. Molidh mi e mar an ceudna air son ceann goirt. ETHEL D. HAINES, Lakeview, Ont. Chaidh dithis Eirionnach, Michael us Padruig, do’n bhaile mhor a dh’iarradh obair, agus gu de fhuair iad ri dheanamh ach glanadh uinneagan. Fhuair iad air adhart math gu leor leis na h-uinneagan a bha faisg air an lar, ach ’nuair a thanig orra dhol a dh’obair air feadhain a bha gu h-ard os an cinn cha robh fhios aca gu de dheanadh iad. Fa-dheoidh thuirt Michael gun deanadh esan doigh. “Gheibh sinn,” ars esan, “bord mor tiugh agus cuiridh sinn a mach air an uinneig e; suidhidh mis’ air a cheann a mach dheth agus thus’ air a cheann a stigh, ’s theid againn mar sin air ar n-obair a dheanamh gu sgiobalta.” Dh’aontich am fear eile ri sin agus chaidh an obair air adhart gu surdail gus na dh’eubh Micheil ris an fear eile gun do leig e as an ni leis an robh e suathadh na h-uinneig. “Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” arsa Padruig, “fan thusa far a bheil thu ’s theid mise sios ’ga iarridh.” Thog a air sios an staidhir, ach nuair a ranig e ’n cabhsair, co bha’n sin air thoiseach air, ach Micheil air a dhruim-direach ’s am bord air a mhuinn. “A mhic an fhortain!” arsa Padruig “an tusa tha so a Mhicheil? De ’n rathah a thanig thu?” GLIOCAS TIMAIL.—Tha gliocas timeil air a nochdadh le bhi ’cumail Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry faisg air laimh. Chan eil a leithid ann air son cholera, cholera morbus, sgaride, gearrach, agus gach euslaint de’n t-seorsa sin. Bi cuibhteas do dhroch stamag mu’n tig an cholera, Leigsidh K D C am miar a’s miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paiper so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’ “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.” [TD 149] [Vol. 1. No. 55. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 10, 1893. No. 55. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Dh’eug Frangach da’m b’ainm Francis Gautheir faisg air Montreal an la roimhe, ’se ceud bliadhna ’sa ceithir deug a dh’ aois. Tha Parlamaid Eilean Phriunns Iomhair a dol a thoirt cothrom do shluagh an eilein air innse co dhiu a’s ail leo stad a chur air reic na deoch laidir no nach ail. Bha teine ann an Georgetown, P. E. I. air an t seachdain s’a chaidh a loisg tri taighean comhnidh, tri storichean, us sia saibhlean. B’fhiach iad uile mu dheich mile dolair. Roimhe so cha rachadh litir a Canada do Newfoundland gun coig sentichean a phaidheadh oirre, ach an deigh so theid litir do’n duthich sin air an aon phris ’sa theid i do chearna sam bith de Chanada, tri sentichean. Dh’eug Reine Lagimodiere aig St. Bonafice, Manitoba, Di-domhnich s’a chaidh. Be a cheud leanamh geal a rugadh riamh am Manitoba. Bha e ceithir fichead bliadhna sa coig deug a dh’aois, agus bha a mhathair ceud bliadhna nuair a dheug i. Nuair a bha ’n soitheach-smuid Oregon air a turus eadar Liverpool us Quebec, bhrist an amhach-ghoirt a mach a measg nan luchd-imrich a bha air bord. Dh’eug coignear air an turus agus bha naoidhnear eile air am bualadh as ur an latha ranig an soitheach Quebec. Chaidh an cur air tir air eilean Ghrosse, far am bi iad gus an teid an galair bas. Bha Iain L. Sullivan air a chur do’n phriosan o chionn ghoirid air son droch laimhseachadh a thoirt do dhuine bochd am Bideford, Maine, agus cha d’fhuair e ma sgaoil gus na phaigh e da cheud deug dolair. Chosg am mi-mhodh gle dhaor dha air an turus ud. ’Nan cosgadh e a reir sin daonnan, bhiodh moran de shluagh an t-saoghil na bu mhodhaile na tha iad. Tha F. H. Hewett, Jamaica, a sgriobhadh Bha mi tinn le cion cnamhidh uine mhor, agus bha mi fo laimh dotair nach do rinn feum sam bith dhomh. Dh’fheuch mi K. D. C. agus rinn e feum mor dhomh. Tha mi cinnteach gun toireadh e faochadh do neach sam bith air a bheil meur sam bith de’n euslaint cheudna. Tha ’n grippe an drasda ’g obair am Manitoba. Ann a Winnipeg ’s am bailtean eile tha moran nan laidhe tinn leis. Bha duin og, Donnachadh MacNeill a’ mhuinntir taobh tuath an Eilein Mhoir, air a bhathadh an acarsaid Bhoston air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fhein us companach dha ann am bata, nuair a thanig oiteag ghaoithe a chuir am bata thairis, agus mu’n d’ranig cuideachadh iad bha esan air a bhathadh. Bha chompanach air a shabhaladh. Bha corp Mhic Neill air a thoirt dhachidh do’n Eilean Mhor feasgar Di-luain. Chaidh duine da’m b’ainm Uilleam S. Corbett, tuathanach measail a mhuintir Folly Village, N. S. a losgadh gu bas ann an tom coille faisg air a dhachidh, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e gle thinn deireadh an earrich, agus cha robh e air chothrom moran a dheanamh. Ach an la ud ghabh a choille teine faisg air an tigh agus chaidh e dh’fheuchinn ri ’chur as. Chaidh dithis mhac dha do’n choille goirid na dheigh agus fhuair iad e air an lar marbh, ’sa chorp air a losgadh gu dona. Bha e tri fichead bliadhna ’sa sia deug a dh’aois. Thachir gnothuch muladach aig Amhinn nan Aitreabhach (R. Inhabitants) aon la air an t-seachdain s’a chaidh. Thanig duin og, J. A. Dowling, dhachidh as na Staitean a dh’amharc air a mhathair. Beagan laithean an deigh dha tighinn, thachir e fhein ’s dithis no triuir de dhaoin’ og eile air a cheile, agus mar bu tric a rinn iad roimhe, thoisich e fhein us fear dhiubh air gleachd. Air a cheud ionnsidh, bha Dowling air a leagail agus air an ath ionnsidh, ach cha bu luaithe ’ranig e ’n lar na dh’eug e. Thoisich an fhuil rir tighnn a mach air a bhial ’s tha e coltach gun do bhrist cuisle n taobh a stigh dheth. Cha robh e ach ochd bliadhna fichead a dh’aois, agus bha bean og aige am Portland, Maine. Bha e stuama, deanadach, bha meas mor aig na h-uile air, agus chuir a bhas gruaim air a choimhearsnachd. GLIOCAS TIMAIL.—Tha gliocas timeil air a nochdadh le bhi ’cumail Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry faisg air laimh. Chan eil a leithid ann air son cholera, cholera morbus, sgaride, gearrach, agus gach euslaint do’n t-seorsa-sin. [TD 150] [Vol. 1. No. 55. p. 2] MAC-TALLA. RABHADH. Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid’h MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bi’dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid,” Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 10, 1893. Tha a chuid so de’n eilean gle fheumach air uisge. Tha mu thri seachdainean bho na thuit an t-uisge mu dheireadh agus tha ’n talamh gu math tioram, ’s mur dig frasan an uine ghoirid bidh am fiar ’s am barr gle dhona dheth. Tha sinn a tuigsinn gu robh frasan troma aca air taobh eile ’n eilean toiseach na seachdain so, ach cha danig iad an taobh so idir. Tha ’n t-side an deigh car iongatach a thoirt anns an t-Seann Saoghal, mar a theirear ris. Am Breatuinn ’s an duchannan eile ’san Roinn Eorpa, far an gnath leis an t-side bhi gle bhog, tha air an t-samhradh so tiormachd mhor, agus an duchannan eile da’m b’abhaist a bhi gle thioram, mar tha Palestin agus an Eipheit, cha robh leithid de dhortadh uisge aca o chionn iomadh linn ’s a th’ac’ air an t-samhradh so. BAS AN DOTAIR BHLAIR. Tha sin fior duhlich gu bheil aginn ri innse d’ar luchd-leughidh mu bhas an duin’ urramich so a bha na dheagh charaid do’n Mhac-Talla o’na thoisich e air tighinn a mach, agus a rinn na b’urrinn da air son a chuideachadh. Bha e gu math tinn fad corr us da sheachdain, ach cha robh e fhein no a chairdean an duil gu robh a bhas cho faisg air laimh. Sgriobh e thuginn Di-ciadinn, a chiad latha dhe’n mhios, ag innse gu robh e tinn ’s nach b’urrinn da ni a sgriobhadh air son a MHAC-TALLA gus an rachadh e na b’fhearr. Ach mu’n d’fhuair sinne ’m fios bha e air a charadh fo’n fhod. Chriochnich e a thurus air an talamh la na Sabaid s’a chaidh agus bha e air adhlacadh Di-mairt aig an An Lagan Uaine for an robh e gabhail comhnidh, agus faisg air an ionad anns na shaoithrich e re iomadh bliadhna. Anns an ath aireamh feuchidh sinn ri cuntas athghearr a thoirt air eachdridh a bheatha, ni a tha sinn cinnteach a bhios ar luchd-leughidh uile ro thoileach a leughadh. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. LITIR “CHABAIR FEIDH.” Tha MAC TALLA bliadhna dh’aois a nis agus tha mi cinnteach gu’m beil sinn uile gle thoilichte ’bhi ’ga fhaicinn cho slan fallan. Leugh mi le mor-thoileachas gu’n robh e gu bhi air a mheudachadh an uine ghoirid agus tha mi cinnteach nach eil aon de ’luchd-leughidh nach bi ullamh gu dha uiread a phaidheadh air a shon nuair a theid am meudachadh so a dheanamh. Car son nach gabhadh na Gaidheil anns gach cearn an gnothaich os laimh agus nach sgriobhadh iad na h-uile seachduinn a dh’ionnsuidh an fhear-deasachaidh a toirt iomradh air nithe Gaidhealach na’n cearn fhein. Ma ni iad so chi sinn gur ann a bhitheas an dara meudachadh ri dheanamh air MAC-TALLA ma’s tig an t-am so an ath bhliadhna. Aig coinneamh mhiosal Comunn na Gaidhlig air an t-seachduinn a chaidh seachad leugh Mhr McWatt paipeir do’m b’ainm “Duilleagan bho m’ leabhar-cuimhne.’ Rinn e iomradh air Cainnt, Sgriobhadh-dhealbhan (no mar their iad anns a Bheurla “Hierogliphics,”) agus Eachdraidh. Dhearbh e, ann cho fad ’s a ghabhas dearbhadh a chuir air a chuis, gu’n robh a Ghaidhlig air a labhairt gle ghoirid an deigh toiseach air t-saoghil, mur i bh’aig Adhamh fein. Ann a bhi labhairt air eachdraidh nan Gaidheal dh’ainmich e iomadh Gaidheal treun a choisrig a bheatha gu seirbheis a dhuthcha, agus a bu choir a bhi na eiseamplair do Ghaidheil oga ’n la ’n diugh a tha cho dian an toir air an cuisean fhein a mhain. Mu dheighin dealbh-sgriobhadh dh’innis an ceann suidhe sgeulachd eibhinn air mar thachair do sheann cheannaiche anns a Ghaidhealtachd air an robh e fein eolach. B’abhuist do’n duine so bhi tarruinn dhealbhan na leabhar an aite sgriobhadh agus thachair aon la gu’n d’thainig duine steach do’n bhuth ris an do reic e boineid leathann ghorm. Bha e na chleachdadh aig a cheannaiche nuair a reiceadh e mulachag chaise cuairt chruinn a tharruinn anns an leabhar agus airson na boineid rinn e cuairt agus chuir e ball na meadhon air son a chnot. Bha so ceart gu leor ach nuair thainig an t-am gus a chunntas a chuir cha d’thug e ’n aire do’n bhall ’s a mheadhon agus chaidh cunntas a chuir a dh’ionnsuidh an duine airson mulachag chaise. Ged a bha tupaisdean mar so a tachairt air uairibh bha ’n Dealbh-sgriobhadh gle fheumail anns na lathaibh sin. Labhair triuir no ceathrar dhaoine-uaisle eile an deigh so agus bha iad uile ag aontachadh ann a bhi toirt tainig da Mhr MacWatt airson a phaipeir ghasda leugh e dhaibh. CABAR FEIDH. Lunnuinn, 27 5-93. GLE CHOLTACH; Tha iomadh tinneas an Canada a tha gle choltach ris a Cholera, mar a tha dibhuirt, goirteas, &c. Air an son so uile tha Dr. Fowler’s Extract of Wild Strawberry na leigheas cinntach. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo-fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHSIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean ’Ic Fhionghain, ri taobh “Talla na Sionachd,” (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c, ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Iun 1, 1833. [TD 151] [Vol. 1. No. 55. p. 3] GAOL GAIDHEALACH. SGEULA FIRINNEACH. Le Naill MacLeod, I. Ann an aon de ghlinn uaigneach, ach maiseach, Eilean-a-’cheo, bha duin-’uasal coir, saibhir, a’ chomhnuidh, aig an robh teaghlach mor agus tlachdmhor de mhic agus de nigheanan. Bha Seonaid, an te a b’ oige dhiubh, ochd bliadhna-deug a dh-aois’, agus air a meas ’na h-ailleagan ro-mhaiseach; cha b’ ann a mhain ’n a dealbh agus ’n a cruth, ach bha i maiseach ’n a a gniomh, ’n a beus, agus ’n a buadhan— Cha b’e ionmhas a dh’airgiod no dh’ or; A chrionas mar chosaig nam bac; Ach gliocas ’us tuigs’ agus ciall, ’G a sgeadachadh fialaidh le tlachd. Air feasgar ’ciuin, fann, foghair—a’ ghrian le ceuman mall a’ tearnadh bho ghorm astar nan speur, ceo an anmoich a’ tuiteam, agus a’ sgaoileadh ’n a stiallan bana mu ghuaillean an t-sleibhe—bha Seonaid gu tosdach, samhach, ’n a suidhe aig uinneig a seomair, a’ gabhail beachd air ailleachd agus maise obair naduir, ag eisdeachd agus a’ faicinnn eoin bheaga na coille a’ leum le solas bho spog gu spoig air feadh craobhan a’ gharaidh. Agus bho’n bha saothair agus teas an latha thairis, “smaoinich i cuairt a ghabhail mar ’bu tric leatha ’dheanamh, ri bruaich ’ua h-aibhne a bha ’n a cuartagan agus ’n a luban a’ tearnadh sios troimh urlar a’ ghlinne. ’N uair a bha Seonaid a’ direadh ri braighe a’ ghlinne, bha cronan trom, tiamhaidh na h-aibhne air an dara taobh dhi, agus guth binn na smeoraich ag cur na smuid dhi air gach preas agus dos air an taobh eile; bha’n t-aite cho balbh ciuin, an sealladh cho maiseach agus cho beo, air chor ’s gu’n d’thug e ’leithid de bhuaidh air inntinn Seonaid ’s nach b’ urrainn dhi cumail oirre gun briseadh a mach le ’luinneig bhinn, neochiontaich fein:— “S truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile, Air mullach sleibhte nam beanntan mor, Gun ’bhi ’g ar n-eisdeachd ach eon an t-sleibhe, Gu ’n tugainn fein dha na ceudan pog” Tha mi ’creidsinn na ’m biodh fios aig Seonaid gu’n robh an t-oganach air an robh gaol diomhair aice fad bliadhna no dha roimhe sin, ’n a laidhe air tom mar uidhe leth-cheud slat uaipe, nach robh i air a guth a thogail cho ard. Bha Domhnull og gu h airsneulach, fann, air tilleadh bho’n t-seilg, agus mar a thachair do Dhonnachadh Ban, an deigh iomadh spreigheadh a leigeadh nach do rinn feum dha, tha e ’cur a sigios dheth air tulaich uaine, ’n uair a ghiulain osag chiuin an ammoich am fonn binn ud gu chluais. Mar a thachair do Uuilleam Ros “thuit e ’n caochladh leis an ioghnadh,” sheall e air gach taobh dheth, agus cha ’n fhac’ e neach air bith. Ach cha robh e fada ’n uair a chual’ e ’n guth binn ceudna ’tighinn air sgiathan na gaoithe, rinn e direach air a’ cheol, agus mu dheireadh chunnaic e— “An ainnir og bu ghlaine beus, Ag iomachd ann am measg nan geug.” Thainig buille ’na chridhe agus lasadh ’na shuil ’n uair a chunnaic e gur i Seonaidh a bh’ ann leatha fein. So cothrom luachmor a bha dhith air bho chionn iomadh latha. An deigh do Dhomhnull a lethsgeul fein a ghabhail airson briseadh air samhchair agus ceol Seonaid, agus beagan comhraidh a bhi aca r’ a cheile, shuidh iad fodh sgaile seann darraig uaine a sgaoil a cuailean aosda trom air gach taobh dhe ’n rathad. Sgaoilidh sinne mar an ceudna brat na diomhaireachd thairis air a’ charaid oig so car uair no dha de dhuine. Mu ’n d’ eirich iad gu falbh, bha a’ ghealach a’ togail a cinn air cul nam beann, na reultan glan agus dealrach a’ toiseachadh ri boillsgeadh air aghaidh nan speur, agus bha iad air an oiche Di-sathuirne sin ’n an fianaisean seasmnach air na boidean dileas agus neo-chealgach a thug Domhnull agus Seonaid d’ a cheile: nach robh naimhdean no cairdean, bochdainn no beirteas, soirbheachadh, no doirbheachadh, a chuireadh eatorra ach am bas. Tha mi creidsinn nach robh inntinn a h aon aca ’n a tosd; air an oidhche sin bha duilleag ur air a tionndadh ann an leabhar am beatha. Chaidh Domhnull do’n eaglais an ath latha mar bu ghnath leis a dheanamh; thoisich seirbheis an latha le seinn aon de shailm bhinn Dhaibhidh, ach bha cruth finealta agus maiseach Seonaid fa chomhair suil inntinn Dhomhnuilll gun fhalbh as, agus fonn binn a’ seirm ’na chluasan nach b’urrain dha ’chrathadh asda. “’S truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile Air mullach sleibhte nam beanntaibh mor.” Ach facal no dha air suidheachadh Dhomhnuill, mu’n teid sinn ni ’s fhaide. Thachair do Dhomhnull mar a thachair do iomadh Gaidheal math a bharrachd air; ’se sin a bhi air bheagan de shaibhreas an t-saoghail so; ach bha e saibhir ’na chliu, ’na ghniomh, agus anns gach deadh bhuaidh eile ’bu choir a bhi air ’fior dhuine. Thainig e bho chinneadh rioghail agus urramach, bho sheann teaghlach uasal agus gaisgeil, a dhoirt cuid de ’m fuil air iomadh raon catha, fodh bhrataich na h-Alba, as leth cliu agus onair an duthcha. Ach bha moran sluaigh anns an linn sin, agus anns gach linn, agus cha ’n e, Ciod e bha duine? no Ciod e bha ann? a dh’ fheoraicheadh iad, ach b’ i ’cheist, “Ciod e bha aige? Thuig Rob Donn an seorsa dhaoine sin gle mhath ’n uair rinn e oran nan suiridhichean. “Tha fear fos ann a dh’aindeoin dochais, Dh’fhaodas posadh gun mhoran char, Ma tha de chiall aig’ na dh’aithnich riamh Gu’n d’eirich grian anns an aird an ear; Dean na dhuairc e, rugadh an cuarain, Thoir baile ’s buaile dha ’s treabhair gheal Leig labhairt uair dha ri athair gruagaich ’S bheir mi mo chluas duit mur faigh e bean.” Ach bha breithneachadh Seonaid ag eirigh os cionn sin; bha i ’meas gu ’n robh barrachd toilinntinn aice r’ a shealbhachadh bho shuairceas agus saibhreas inntinn Domhnuill, no ged a gheibheadh i na miltean le plaosgaire gun inntinn, gun ghaisgeadh. Ach cha robh i fein agus a cairdean de’n aon bheachd mu ’n chuis sin; agus bha fios aice na ’m faigheadh iad a mach aon uair gu’n robh i ’cumail comuinn ri Domhnull, gu’m b’e cuid de ’n bhaile e. Ach bha srad a’ ghaoil air a’ beothachadh ann an cridhe Seonaid, agus coltach ris an t-sradaig a bha ’n sgornam a ghobha, cah robh i soirbha a bathadh. (Ri Lerntuinn.) Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACAIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloin uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 152] [Vol. 1. No. 55. p. 4] O THA MI SGITH. LUINNEAG. O tha mi sgith, Bidh mi ’chaoidh fo mhulad; Cadal cha n-fhaigh mi ’Cuimhneachad air Currie. Chi mi, chi mi bhuam. Chi mi luaidh mo chridhe; Chi mi seachad suas Buaireadair nan nighean. Currie dubh nan rop Bha mi eolach uime; B’ annsa mac an t-seoid Falbh le chleoc ’s le ghunna. Marbhaisg air a ghaol, ’S caochlaideach an rud e; Bhuail e mi san taobh Far nach faod mi ’fhulang. ’S diombach mi do’n ghaol, ’S daor a rinn mi cheannach; Thug e dhiom mo shnuadh, ’S chaidh mo ghruag an tainnead. Currie ’s am fear ban Thug mi gradh do’n dithisd; Thug iad bhuam mo chail ’S cha n-fheil mo shlaint aig lighich.’ Ged chluinninn-sa an trath s’ Bal a bhi ’sa bhaile, Dearbh cha readh mo shron Steach air comhl an doruis. Thuirt m athir rium an de Mhari treig do ghealladh, ’S gheibh mi dhuit fear maoin’ Le chrodh laoigh an gleannibh. Cha threabhiche fuinn, Cha thuathanach fearinn; Cha n-ufhear cruidh no chaorach Dha ’n dug mi gealladh. Cha chiobair le chu Bha mi ’n duil ri fhaighinn; Ach an t-oigear donn ’Chuireadh long fo h-uidhim. ’S tu bu duibhe ceann, ’S tu bu ghreannair aghidh, ’S tu bu ghuirme suil; ’S tu mo run ’s mo roghinn. Nuar thog thus’ do sheol ’Se bha bronach mise, G amharc as do dheidh, Gun do lein’ bhi troram. Diridh mi ’n Carn Ban, Bhon ’s e ’s airde fradharc, Shealltuinn air an stor Bhon do sheol do shoitheach. Nuair thanig a ghaoth tuath ’Nuas air na caoil chumhann Dhiult i dhol mu ’n cuairt ’S bhuail i air an rudha. Bhuail i air an traigh Far am fas an duileasg; Leum thu aisde, ghraidh, ’S shabhail thu gach duine. Mari ’sa bhail’ ard, S Mari ’m braighe Mhuile, H-uile Mari ’th’ ann Tha thu ’n geall orr’ uile. Bha thu san taigh chiuil, Bha thu ann gu cridhail; Shuidh mi air do ghluin, S fhuair mi, ’ruin, do chridhe. A reir innse sgeoil bha tuathanach ’sa Ghleann Dubh aig an robh da nighinn. Bha Currie ’s an te a b’oige a dol a phosadh; ach thug a h-athir oirre am “fear ban” a phosadh. Cha robh i fada beo. Dh’eug Currie an uine gle ghoirid as a dheidh. ’Si a phiuthar bu shine a rinn an t-oran. ’Se ’s docha nach d’fhuair sinne e direach mar a chaidh a dheanamh. Faodadh e a bhi gur h-ann tha da oran air an cur am measg a cheile. LEIGHEAS EALAMH.—Bha mi fad da bliadhna tinn le ceangal-cuinn agus cha b’urrinn do na dotairean feum sam bith a dheanamh dhomh. Ach dh’fheuch mi B. B. B. agus leighis aon bhotul mi. Molidh mi e mar an ceudna air son ceann goirt. ETHEL D. HAINES, Lakeview, Ont. Chaidh corr us ceithir mile ceann cruidh a chur air falbh a Montreal do’n Roinn-Eorpa an la roimh. BAIS Aig Sidni, Iun 5mh. la, Donnachadh Mac ’Illinnean, tri fichead bliadhna ’sa sia a dh’aois. Bi cuibhteas do dhroch stamag mu’n tig an cholera, Leigsidh K D C am miar a’s miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paiper so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sasannach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear aig aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris’ a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’so uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” [TD 153] [Vol. 1. No. 56. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 17, 1893. No. 56. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Chaidh duin’ og da’m b’ainm Young a ghoirteachadh gu dona am meinn-ghuail Ghowrie, Cow Bay, Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh ni-eigin cearr am Meinnean Shidni Di-ciadiun air an t-seachdain s’a chaidh agus ann a bhi fiachinn ri chur ceart, chall aon duine, Iain Boutilier, a bheatha. Nuair a bha ’m bata-smuid Marion a tighinn a nuas Lochan a Bhras d’Oir an la roimhe, chaidh i air tir aig na h-Eilean an Dearga, agus cha d’fhuaras a toirt dheth gus an ath latha. Rinneadh beagan millidh air a mas agus b’fheudar a cur air falbh gu Pictou gus a caradh. Fhuair Caiptean Gormley, ann an Nobha Scotia, uaireadair oir an la roimhe bho Impire na Gearmailt, mar ghibht taingealachd air son cobhair a dheanamh air soitheach Gearmailteach an uiridh. Tha suaicheantas na Gearmailt air an uaireadair, agus dealbh an Impire fhein. Tha tri soithichean beaga dol gu feill an t-saoghil, agus tha iad air an ainmeachadh air Columbus, a chionn gu bheil iad air an togail air a cheart chumadh air an robh na soithichean leis an danig Columbus thairis air an Atlantic. Chaidh na tri sin troimh chaolas Chanso Di-luain air an t-slighe gu Chicago. Tha na soithichean cogidh Frangach air toiseachadh air taghal san acarsaid. Bha cheud te a stigh air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha te eile stigh air an t-seachdain so. Cho fad so cha danig ach aon soithich coigidh Breatunnach ’nar coir. Tha iad tuilleadh us trang a cumail soithichean iasgich nan Geancach o bhi dol ro dhana air an runnach. ’Se aon de dhleasannasan an deasiche, agus dleasannas nach urrinn dha a dhearmad, an clo-bhualadair a phaigheadh gach seachdain. Mur dean e sin cha soirbhich aona chuid leis fhein no leis a phaipear. Ach ciamar a phaigheas e clo-bhualadair no fear eile nuair a tha aireamh mhor dhe na tha ’gabhail a phaipear o chionn bliadhna gun sgilinn ruadh a chuir thuige fhathast? Chan urrinn dha ’dheanamh. Bha dithis dhaoine aig cuirt ’sa bhaile an la roimhe air son a’ bhi ’reic deoch-laidir, agus thugadh dhaibh an da roghinn, leth cheud dolair de chain a phaigheadh no dhol da mhios do’ phriosan. ’S neonach an sgial a th’aig tuathanach coir an Quebec ri innse. O chionn cheithir bliadhna, bha ’n sabhal aige air a bhualadh leis an dealanach agus air a losgadh gu lar. Chaidh an sabhal a thogail a rithist, ach am bliadhna, air a cheart latha, bhuaileadh e leis an dealanach, agus chaidh e na smal an darra h-uair. Bha romhinn anns an aireamh so cunntas ath-ghearr a thoirt air eachdridh beatha Dr. Blair, ach leis cho beag sa tha am paipear b’eigin duinn fhagail as air an t-seachdain so. Tha sinn an duil, co-dhiu, nach bi aginn ri sin a dheanamh air an ath sheachdain. Tha aireamh de nithean eile air’ laimh cuideach, a bheir sinn d’ar cairdean cho luath ’sa bhios ’nar comas. Tha fios a Charlottetown ag radh gun do dh’eug fear Louis Mac ’Illeallain a muinntir Bhroad Cove, anns an ospidal ’sa bhaile sin. Bha e anns an eilean le soitheach ceannachd agus bha e ann an droch shlainte mu’n d’fhag e ’dhachidh. Madinn Di-haoine dh’fhas e gle thinn agus thugadh do n’ospidal e, far na dh’eug e madinn Di-domhnich. Chaidh a chrop a thoirt dhachidh gu adhlacadh. Air an 27mh la de’n Mhai chaidh duine da’m b’ainm Everill Sampson air chall aig Mira Gut agus chan fhacas e uaithe sin ’s cha chulas iomradh air. Tha e air a dheanamh a mach gun deachidh e mach air am bata a fhuaras a rithist air a chladach, agus gun deach a bhathadh. Cha robh e ach air tighinn dhachidh a Boston beagan uine roimhe sin, agus tha e air a radh gu robh e na dheagh fhear cearde ’s gu robh e deanamh gle mhath. Tha sinn an dochas gun toir ar cairdean oidhirp laidir air an t-samhradh so air an aireamh a tha ’gabhail a MHAC-TALLA a dhublachadh. Cha bu choir strith mhor sam bith a bhi air sin a dheanamh. Ma gheibh a h-uile neach a tha ’ga ghabhail cheana aon no dha eile gus a ghabhail bhiodh da mhile no corr aginn an uine gle ghoirid. ’Sann an uair sin a rachadh aginn eir a mheudachadh ’s dheanamh cho math ’s nach biodh duin sam bith a leubhas Gailig toileach deanamh as aonais! [TD 154] [Vol. 1. No. 56. p. 2] MAC-TALLA. RABHADH. Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid’h MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bi’dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 17, 1893. TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MACLAOMUIN, M. A., D. D. Air sin labhair a chlann ri ’n athair-be ainmean na cloinne Peadar agus Tomas, Marta agus Muire, agus ogha Rut, a faighneachd mu thimchioll a choigrich. Fhreagair Talamh Dearg a mhain, “’Se ’n Tighearn a bh’ ann.” Dh’feoraich a bhean dheth. “Ciod a’s coir duinn a dheanamh?” Fhreagair esan i, Feumaidh sinn Babilon fhagail gu brath. Thubhairt Peadar, “Rachamide mar an ceudna.” Dh’eigh Tomas a bhathair, chaidh e dh’ ionnsuidh an doruis, dh’amhairc e air an iarmailt chiuin, agus thubhairt e, “Nach faod sinn fuireach ach a faic sinn ciod a bheir latha mu’n cuairt? Thilg Marta, lan curaim agus dragha mu thimchioll moran do nithibh sealladh gradhach air an airneis. Ghuil Muire an samhchair. Dhluth lean Rut ri ’sean-athair. Air an la maireach, ghairm Talamh Dearg air a chairdean agus a choimhearsnaich, ag iarraidh gu durachdach orra dhol maille ris; rinn iad gaire fanaid ris. Anns an fheasgar chualas seirm anns na speuran, thiughaich an ceo gu dordhadas; cha robh soillse gealaich na reul-sholus; gidheadh le lasair soillsean, agus stairn cluig agus farum tiompan dhanns an sluagh gu h-iollagach gus na chriothnaich an talamh le ’n cridhealas. An sin ghabh Talamh Dearg a bhean ’sa chlann comhairle bhlasta le cheile, a’ feitheamh foillseachadh toil Dhe. Ghairm iad gu cuimhne leabhar araidh da m’ ainm “Leabhar na Beatha” a thug Athair Talamh Dearg dhaibh. An deigh rannsachadh dichiollach fhuaradh e am measg iomadaidh soithichean briste, a chraicionn learach comhdaicte le smur, agus a dhuilleagan buidhe agus aitidh. Air dhaibh briathran an Leabhair a leughadh fhuair iad a mach gu’n robh, taobh thall chuaintean fearann a ta sruthadh le bainne agus le mil oighreachd neo-thruillidh agus neo-shalaich a bha ra thoirt dhuibh san uile dh-fagadh Babilon anns an deadh long “Sgeil mhor Aoibhneis.” Bha aiseag air a thairgse do na h-uile gun airgiod agus gun luach. Os barr, dh-earalaich an Leabhar cabhaig ag radh, feuch, a nis an t-am taitneach, feuch, a nis la na slainte. Am sin ghairm Talamh Dearg gu cuimhne gu’n d’fhag Athair agus dream araidh Babilon agus gun d’sheol iad ann “Sgeil mhor Aoibhneis.” Thuig e nis gu’m be run an Tighearna gu’m biodh esan ’sa chlann na’n luchd leanmhainn orasan chaidh air thoiseach. Gidheadh a reir coslais bha ’naigheachd ro mhaith gu bhi fior. Smuainich e gu reiceadh e sheilbhean, agus gu’m paidheadh e airson na h-oighreachd. Thubhairt Peadar “oibrichidh mi airson mo thriall” Tomas dh-ionnsaicheadh Sgoile mhara. Ach thubhairt an Leabhar; Cha’n ann o oibribh, chum nach deanadh neach air bith uaill. Mar so bha e air a shochrachadh, air an la maireach, aig eiridh na greire, gu fagadh iad uile Babilon. (Ri leantuinn.) Chaidh nighean bheag a mharbhadh aig Leitche’s Creek air doigh gle chianail. Bha h-athir ’sa mathir og obair air curachd agus dh’fhag iad ise stigh gus nithean a chur air doigh agus bha i an sin ri dhol a mach cuideachd. An am beagan uine nigh i an soithichean, sguab i an tigh agus an deigh dhi gach ni eile dheanamh ghlas i ’n dorus agus thog i uinneag gus a dol a mach. Ach ’nuair a bha i deanamh sin thuit an uinneag air a h-amhich agus mharbhadh i air ball. ’Se nabidh a bha ddol seachad a chunnic an toiseach i an crochadh ris an uinneig, ’sa casan pios math o’n lar. Air dha a dhol far an robh i fhuair e gu robh am paisde bochd marbh. Fhuair sinn o chionn ghoirid da phaipear bheag Eirionnach a tha air an cur a mach anns na Staitean. Tha aon diubh da’n ainm “An Gaodhal,” a tighinn a Brooklyn, agus am fear eile da’n ainm “The Irish Echo,” a Boston. Tha roinn mhath de Bheurla anns gach fear dhiubh, ach ’si seana chainnt na h-Eirinn a’s pailte. Tha moran sgeulachdan, orain, us nithean eile annta, agus chan urrinn iad ach a bhi gle thaitneach leotha-san a tha comasach air an leubhadh. Chaidh soitheach-iasgich Geancach, an Lewis H. Giles, a ghlacadh aig Ingonish Di-luain s’a chaidh, air son a bhi ’g iasgach an taobh stigh do thri mile bho’n chladach. Bha i air a toirt gu Sidni-a-Tuath, far am bi i gus an teid cuisean a chur air doigh eadar i-fein us lagh Chanada. Chan eil an caiptean a gabhail ris gu robh e an taobh stigh dhe’n chrich idir. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. DR. WOOD’S Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. us 50c. am botull. Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean ’Ic Fhionghain, ri taobh “Talla na Sionachd,” (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c, air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Iun 1, 1883. [TD 155] [Vol. 1. No. 56. p. 3] GAOL GAIDHEALACH. SGEULA FIRINNEACH. Le Naill MacLeod, II. “Mile marbh-phaisg air an t-suiridhe, ’S bochd dha ’n do n teid i iomrall; Fagaidh i inntinn fodh iomaguin, Gluasad cho simplidh ri meirleach.” ’S iomadh oidche allabanach a bha Domhnull a’ cur a’ mhonaidh agus cronan aige air an oran so, a’ gabhail nam fath air Seonaid fhaicinn ris an tom. Ach cha do lean Domhnull fad’ air an ruaig sin ’n uair a ghlacadh e. Bha e fein agus Seonaid oidhche araid ann an caidreamh a cheile gu cairdeil ann an oisinn a’ gharaidh gun smaointinn air ceilg no air foill. Ach mar a bha ’n tubaist an dan dhoibh co ’thainig orra gun chuireadh gun iarraidh ach brathair Seonaid; cha robh cothrom teichidh ann, no falach air a’ chuis. “Chaidh an ceol air feadh na fidhle an oidhche sin; chaidh Seonaid a thoirt gu mod laidir, agus bagradh oirre gu fiadhaich mur sguireadh i de chomunn Dhomhnuill gu ’n eireadh gu h-olc dhi. “Ach bha’n comhairle dhi cho diomhain Ri tilleadh mara ’s e tabhairt lionaidh.” Bha cridhe agus inntinn Seonaid air an socrachadh air Domhnull mar a saibhreas agus a crannchur de fhearaibh an domhain agus cha robh beo na bheireadh oirre a roghainn a threigsinn. Beagan uine an deigh sin, ghabh athair Seonaid moran fearainn ann an Uidhist, agus am measg gach ni eile bha aige ’n a shealladh, bha e am beachd gu’m fuaraicheadh an Cuan Uidhisteach gaol Seonaid agus Dhomhnuill d’ a cheile, a creidsinn gu’n robh firinn anns an t-sean fhacal a thuirt, “An rud theid fad’ bho ’n t-suil theid e fad’ bho ’n chridhe;” ach cha do dhearbh e sin a thaobh Seonaid. Agus ged nach robh litrichean cho luaineach an trath sin ’s a tha iad an diugh, bha Domhnull agus Seonaid a’ faotainn cothroim bho am gu am air sgriobhadh gu ’cheile fo luirich. Bha sin ’n a mheadhon air an aigne a’ chumail blath, agus an gaol ’gum mheirgeadh. Beagan uine an deigh an ama sin, thainig Sasunnach mor, saibhir ’n a Bhaillidh air an oighreachd air an robh am fearran aig athair Seonaid. Agus bho ’n bha iad na ’n teaghlach cairdeil, measail, agus foghluimte, bhiodh an Sasunnach a’ tathaich orra gu math tric. Ach mu dheireadh thall ’s e thainig a sin gu’n do thuit e ann an trom ghaol air Seonaid, agus cha robh e fada ’n uair a chuir e ’n ceill dha ’parantan ciod e ’bha ’n a bheachd, agus dh’ iarr e Seonaid orra r’ a posadh. B’ e so a’ cheart duine bha dhith air a parantan. Bha “baile ’s buaile agus treabhair gheal” aige agus ’fhuair e cuireadh fial, farsuinn a thighinn air aghaidh; ach ’n uair a chaidh a’ chuis a chur fa comhair Seonaid cha ’n fhuilingeadh i iomradh a chluinntinn air e leithid: ach cha ’n faodadh i beul fhosgladh anns a’ ghnothach: dh-fheumadh i a phosadh, olc air mhath leatha. An uair a chunnaic i cho rag ’s a bha iad ’n am barail fein leig i leo dol air aghaidh leis a’ chuis mar a thogradh iad. Ach bha i ag innseadh do Dhomhnull mar a bha gnothaichean a’ dol air aghaidh d’ a taobh. Dhuisg so spiorad nan seann laoch treun bho ’n d’ thainig e, ann an Domhnull, agus thog e ’fhuil an aghaidh an t-Sasunnaich agus cairdean Seonaid, le bhith smaointeachadh gu’m biodh maighdean og neochiontach air a cumail fo chis air a leithid de dhoigh, agus gu h-araid ’n uair a bha fios aige gur ann le gaol dha fein agus air a shon a bha i faotainn a leithid de dhroch caradh. An deigh beagan litrichean a null ’s a nall, ’s e an comh-dhunadh gus an d’ thainig Domhnull agus Seonaid, gu ’n teicheadh iad as an rioghachd, agus gu’m fagadh iad gach Sasunnach ’s gach duine bh’ ann an claiginn a cheile. Ach ged a bha sin mar sin, bha ullachadh mor ’g a dheanamh air son a’ phosaidh air an laimh eile; chaidh an Sasunnach agus Seonaid eigheach ann an eaglais na sgireachd air son a’ cheud uair, chaidh a nis an fhuaim a mach air feadh na duthcha, agus cha robh aicheadh air a’ chuis. Air oidche Di-mairt an deigh an eigheach bha cuirm mhor ann an tigh athair Seonaid, agus bha i fein agus an Sasunnach gu bhi posadh seachduin bho ’n oidche sin. B’ i an oidche Di-mairt sin air an robh a’ chuirm, a’ cheart oidhche’chuir Domhnull agus Seonaid air leth air son teichidh. Agus bha fios math aig Seonaid ’n uair a bha iad ’n an suidhe aig a’ chuirm gu’n robh Domhnull le sgioba math ghillean leitheach cuain eadar an t-Eilean-Sgiathanach agus Uidhist, a’ tighinn g’a h-iarraidh. Bha ’n Sasunnach mor air ceann a’ bhuird ann am fonn anabarrach math; bha ’n oidhche dol seachad gu sunndach aighearach aig gach neach a bha ’n lathair. An uair a bha an t-suipeir thairis, rug an Sasunnach air ghairdean air Seonaid agus chuir e ’n a suidhe aig a h-inneal-ciuil i, agus dh’ iarr e oirre oran a sheinn; agus rinn i sin. Chluich i gu h-ealanta, agus sheinn i gu h-innealta. “S ann tha m’ ulaidh ’s mo ghaol Air a’ bhirlinn a’ tighinn.” Cha robh an Sasunnach a’ tuigsinn a bhrigh bha aig Seonaid fodh ’n oran sin agus bha sin cho math. Is ann a bha shuil a’ ruith an deigh nam basan mine geala, agus nam meur finealta bha ’leum bho theud gu teud air an inneal chiuil; agus a toirt seallaidh an traths’ agus a rithist air aghaidh mhaisich Seonaid, le ’cuailein trom a’ tuiteam ’n a shniomhanan or-bhuidhe sios mu ’guaillean. Is e sin a bha ’togail cridhe agus inntinn an t-Sasannaich, agus e ann an lan bheachd gu’m biodh i aige air laimh seachduin bho ’n oidhche sin, le toil a cairdean agus le ughdarras na cleire—ach bha “cur eile an adharc an daimh.” (Ri Leantuinn.) Nuair a thoisich an luchd-riaghlidh air feill an t-saoghil air fhosgladh air an t-Sabaid, chaidh a chuis a thoirt gu lagh leotha-san a bha ’n aghidh sin. Tha na breitheamhna a nis an deigh tighinn gus a cho-dhunidh gu feum an fheill a bhi air a dunadh air an latha sin. Tha Breatuinn, Canada, na h-Innsean, agus Australia a car glas us uichir air gach ni a th’aca air an fheill, a h-uile feasgar Di-sathairne ’s cha n-eil iad a tighinn dhiubh gu madinn Di-luain. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan. &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu-saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 156] [Vol. 1. No. 56. p. 4] A MHAIGHDEAN OG NAM MEALL-SHUILEAN. LUINNEAG. A mhaighdean og nam meall-shuilean, Gur h-og ’thug mi mo ghealladh dhuit; Nam fhigainn thu le ordagh cleir’ Cha n-iarrinn spreidh no earras leat. Cha n-iarrinn stoc no storas leat Do phearsa fein bu leoir leam e; Cead bhi sinte ruit san leaba Ann an cadal solasach. Cha n iarrinn-crodh no caorich leat; No tochradh bho do dhaoine leat; Cha n-iarrinn leat bo dhubh no ruadh Ged bhiodh na buailtean saor aca. Chuirinn seol air aran dhuit, ’S an crodh laoigh gu baine dhuit Chuirinn gearrain dhuit an croinn, Is glinn fo chaoraich gheala dhuit. Chuala mi ’s gur math leam e Gun danig thu do ’n bhaile so, Ribhinn og ’s a gruaidh mar ros; Cha chum cion oir mo leannan bhuam. Bha duil agam ’nuair dh’fhag mi thu Nach biodh fear eil’ am ait’ agad; Ach ’nuair thionndaidh mi mo chulaobh Bha fear ur ’s do lamh aige. ’Si chuis a tha mi gearan oirr’ Nach d’ fhuair mi comhradh mionaid riut ’Nach d’fhuair mi urrad agus fasgadh. Dhe do laimh san dealachadh. Gur mis’ a tha gu deireasach Bon sheol thu do dh-America; An gealladh posidh thug thu dhomhsa Dh’fhogir thu mu dheireadh e. Ged nach eile aig na h-Eirionnich an America ach an da phaipear ’nan cainnt fein, tha aig Welshich America, nach eil an fhicheadamh cuid cho lionmhor ris na h-Eirionnich coig paiperan nan cainnt fein agus tha iad ’gan cumail suas gu duineil. Aig Gaidhil America chan eil ach aona phaipear. Ach tha sinn an dochas gu’m buin iad gu math ris a phaipear sin, agus nach bi e ’m feasda ri thilgeadh oira gu’n do leig iad bas e! Tha teintein a fas gle lionmhor anns na coilltibh cheana. Bu choir do mhuinntir a bhi gle fhaiceallach mu theine an am so dhe’n bhliadhna, oir tha e moran na’s usa ’chumail gun toiseachadh na tha e chur as an deis dha greim fhaighinn. Mur biodh cho mi-churamach sa tha cuid dhe’n t-sluagh, bhiodh coilltean Cheap Breatuinn an diugh moran na’s maisiche ’s na’s fiachaile na tha iad. Tha Ard chomhairle Cuan Bhering faisg air bhi ullamh dhe’n obair. Tha e air a radh nach eil teagamh sam bith aig muinntir Pharis nach i Breatuinn a gheibh a chuid a’s fhearr dhe, ge’r bith de bharail a th’aig muinntir eile. Tha na soithichean-iasgidh a tha taghall san acarsaid ag innse gu bheil an runnach gle phailt timchioll an eilein, bha cuid dhiubh aig an robh bho dha cheud gu sia ceud baraille air bord. Bha aon soitheach air ’n do thachir mall mor dhe’n iasg Di-luain s’a chaidh. Bha na lin air an cur a mach, ach leis cho tiugh s’a bha ’n t-iasg bhrist iad, gidheadh fhuaireadh ceithir fichead baraille ’sa deich a thoirt air bord. Tha Priunnsa Roland Bonaparte, ogha brathar do Napoleon Bonaparte, air chuairt an Canada an drasda. Thanig e air tir aig Halifax Di-luain, ’s dh’fhag e am baile sin Dior-daoin air a thurus gu Charlottetown. Air a thilleadh a sin tha e ’dol a thoirt sgriob bheag do Cheap Breatuinn. Nuair a gheibh e air ais don Fhraing, tha e’n duil leabhar a sgriobhadh mu Chanada, agus ’sann a chum fiosrachadh fhaotinn mun duthich a tha e cur na cuairte so. Bha duin’ uasal ann uair aig an robh sgalag da’m b’ainm Iain, agus ri fuachd a gheamhridh bhiodh iad a cadal cuideachd, an duin’-uasal ’na aite fein agus Iain aig a chasan. Aon aiche fhuar, reota, an deigh dhaibh a bhi treis ’san leaba dh’ fheorich an duin’-uasal do Iain, “Cionnus a tha ’dol dhuit shios aig mo chasan, Iain?” “O, ars Iain, “tha mise gu blath, seasgair. Cionnus a tha ’dol dhuit fhein shios aig mo chasan-sa?” Bi cuibhteas do dhroch stamag mu’n tig an cholera, Leigsidh K D C am mian a’s miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paiper so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear aig aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sam bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni. C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” “Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.” [TD 157] [Vol. 1. No. 57. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 24, 1893. No. 57. SIOSAL & CROWE, Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W CROWE. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c., &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter’s, C. B. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. ’NIGNEAG OG AN OR-FHUILT DHUINN. LUINNEAG. ’Nighneag og an or-fhuilt dhuinn, Tha cainnt do bheoil ’na cheol ro bhinn; Thug t’ ailleachd barr air al gach linn, ’S gur mor ’tha ’loinn na firinn ort. Nuair a thanig mi do ’n aite Bha mi fada bho mo chairdean, Fhuair mi uasal suairce, cairdail Maighdean bhan na’m miog-shuilean. Cha n-e dearmad ach nach h-eol dhomh Dh’fhagadh ceart air rann de m’ oran; Mar a thoill a mhaighdean bhoidheach Cha n-fheil seol air innse dhuibh. Nighean an fhir ruaidh o’n Apuinn Air an taobh a tuath de’n aiseag, O ghleann uaine gorm nan gaisgeach ’Thogadh creach nan Liobhanach. Tha do chairdeas o Ghleann Comhann, O Ghleann-Cuaich’ an t-sluaigh neo-choimheach; Cairdeas mor is sloinneadh domhain; Co bu cho-ard sinnsre riut? ’S math a b’ aithne dhomhsa t’ aireamh, Do chul dualach, cuachach, faineach; Gruaidhean dearga a’s glan dearrsadh ’S falt mar bharr nan ditheanan! Tha do ghruaidhean mar an t-siris, Suil mar dhriuchd air chul a ghlinne, Aghaidh chiuin a gunan grinnis, Beul ’bu bhinne, shiobhalta. Ged a gheibhinn aois mo sheanar ’S a bhi sgriobhadh ’h-uile meanaid, ’N coigeamh train cha deanainn aithris De mhaise na ribhinn ud. Gabh mo lethsgeul og bhean uasal, Ma thanig mi cearr air t’ uaisle Cha n-fheil cainnt agam a luaidheas Meud nam buadh o chi mi ort. Chi mi thu mar chraoibh an garadh Gach aon mheanglan ’s iad fo bhlath oirr, Driuchd nan speur a toirt dhi fais, Is eoin na barr gu binn-ghuthach. Tha Uilliam Caimbeal, Seaforth, Ont., a sgriobhadh; “Badh cuimhne mhath agam air an la a fhuair mi ur leigheas fiachail. ’S e ’n aon leigheas a rinn feum dhomh riabh. Reic mi K. D. C. rin feadhinn eile a tha ’g radh gun do leighis e iad. A DUTHICH ’IC AOIDH. Biodh cach a seinn an cuid eallan Mu dheibhin nan gleann ’s nam beannaibh, Ach molaidh mise MAC-TALLA Tha ’cur anam ’na mo chainnt. Gum-a slan don Ghaidheal ghaisgeil, S aoibhinn leam an sgeul a chlaistir, Do thalla ’ga dheanamh farsuing Ged a thachdas e’m fear galld. Deanta fada, farsuing ard e, Biodh a bhallachan gun sgaineadh, Gus an cinnich e le Gaidhil Cho laidir ri fardach Fhinn. Tha mi ’cur dolar thugibh leis an litir ghoirid so, ’s cha dug mi dolar seachad riabh ris an sunntaiche ’bheil mi dealachadh. Ma ni Gaidhil America an dleasanas daibh fein ’s do na bheil ag eirigh suas nan deigh, ni iad do thalla nas treise na fadach Fhinn. Bha fardach Fhinn air a dion leis a chlaidheamh ach bidh fardaich a MHAC-TALLA air o dion leis a pheann, inneal cogaidh a’s treise gu mor na ’n claidheamh. A reir mar a chuala mi aig seann daoine nach maireann, bha ceud fardach an tigh Fhinn, ceud teine anns gach fardach, agus fear us ceud mu gach teine. Nam biodh an aireamh a tha ’gabhail a MHAC-TALLA cho mor sin bhiodh fhardach blath, seasgair. Smuainicheamid uime sin agus cuireamid ar guaillibh ri cheile, agus thoireamid aon ionnsidh bheo air ar cainnt a chumail o ghearradh-mairbh a bhi ’ga dheanamh oirre leis na Goill. A guidhe soirbheachadh dhuibh bidh mi e stad. MAC AOIDH. Providence, R. I. Bhrist teine mach an Sidni-a-Tuath oiche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, a loisg da stapull agus tigh. Bha choltas air aon uair gu’n sgaoileadh a air feadh a bhaile, ach bha ’n oiche ciuin ’s cha robh cothrom aig an teine air sgaoileadh, agus chuireadh as e gun an corr call a dheanamh. SAOR MHALAIRT. Tha moran ri chluinntinn mu shaor-mhalairt. Tha moran chluinntinn mar-an-ceudna mu B. B. B. Chan eil leigheas eile ann as luaithe ni feum do gach eucail a tha buailteach don stamaig do’n ghrian ’s don fhuil. [TD 158] [Vol. 1. No. 57. p. 2] MAC-TALLA. RABHADH. Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid’h MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bi’dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n ain sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e biadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.” ’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh ’ur litrichean gu J. G. MacKINNON, “Mac-Talla,” Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 24, 1893. AN T-URR. D. B. BLAIR, D. D. Rugadh an t-Urr. D. B. Blair ann an Siorramachd Earraghaidheal sa bliadhna 1815, air a cheud latha de mhios deireannach an t-samhridh. Chaidh e do’n sgoil an toiseach nuair a bha e ochd bliadhna dh’aois, agus an ceann bliadhna bha e comasach air am Biobull a leubhadh araon am Beurla ’s an Gailig. An uair a bha e fhathast gle og, chaidh athair air imrich do’n Lagan am Baideanach, agus nuair a bha e fichead bliadhna dh’aois chaidh a do dh’Oil-thigh Dhun-eideann. Beagan bhliadhnichean an deigh sin ghabh e droch fhiabhrus a chum air ais e gu mor na fhoghlum. Fhuair e cead searmonachidh an 1844, agus an ceann da bliadhna thanig e gu Nobha Scotia. Shearmonich e aig Abhainn Bharnaidh a cheud uair air an 20mh la de September, 1846, agus mios na dheigh sin bha e air a shuidheachadh ’sa sgireachd sin, far an d’fhan e gu am a bhais. Shearmonich e corr us coig mile searmon, agus bha soirbheachadh mor ri fhaicinn na lorg. Bha e na shar sgoilear aig an robh mion eolas air Eabhra, Greigeis Laidinn us Beurla, ach bha meas sonrichte aige air a bhi sgriobhadh na Gailig. Dh-fhag e aireamh mhor do sgriobhidhean na dheigh am measg an robh Gramair Gailig agus Sailm Dhaibhidh an Gailig. Tha sinn an dochas gum bi curam air a ghabhail dhuibh uile agus gu’n teid an cur an clo an uine gun bhi fad. Cha robh caraide aig a MHAC-TALLA a chuir failte na bu chridheile air, na bu mho a rinn air son a chumail beo, na Dr. Blair. Nuair a sheallas sinn thairis air aireamhan na bhiadhna s’a dh’fhalbh, chi sinn nach mor gu bheil aon dhiubh gun ni-eigin ann a thanig bho ’pheann. Bha “Fogradh nan Gaidheal,” “Coinneach Odhar,” agus na h-eachdridhean eile ’sgriobh e gle thaitneach leis gach neach a bha ’gan leubhadh. Cho cinnteach ’sa thigeadh, am posta oiche Di-sathairne, thigeadh cuibhrionn bho Dhr. Blair thun a MHAC-TALLA. Ach fad da sheachdain mu’n d’fhuair sinn sgeul a bhais cha d’fhuair sinn ni uaithe. Tuigear an reusan nuair a leubh ar an litir a leanas, a sgiobh e tri latha mu’n do dh’eug e. ABHAINN BHARNAIDH, 1d June, 1893 A DHEAGH CHARAID,—Tha mi gu tinn bho cheann ceithir-la deug. Tha mi lag, lag, agus cha’n urrainn mi sgriobhadh no smuaintean a chur ri cheile. Uine sin cha’n urrainn mi ni a sgriobhadh air son MHIC-TALLA gus am fas mi nas fearr. Tha mi toilichte gu bheil a choltas air MAC-TALLA fas nas mo air a bliadhna so. Is mi do charaid D. B. Blair. Chan eil teagamh againn nach e so an ni mu dheireadh a sgriobh e. Cha d’ranig an litir sinne gus an robh am fear a sgriobh i air a charadh san uir. Chaidh fear Iain Domhnullach, a mhuinntir Abhinn-nam Breac, am Mira, a chur do’n tigh chaothich an la roimhe. B’e ’n t-aobhar air son na chuireadh an sas e, e bhi fiachinn ri tighinn ri bheatha. Thug e ionnsidh an toiseach air a sgornan a ghearradh, agus nuair nach deachidh sin leis thug e choille air agus dh’fheuch e ri e fein a chrochadh, ach bhrist am meanglan ris na cheangail e an rop. Chaidh an Dotair Domhnullach a thoirt ’ga amharc agus an deigh dha ’amhach a chuir air doigh, dh’orduich e a thoirt do’n tigh chaothich. Tha e air a radh gun dug a cheart duine ionnsidh air tighinn ri bheatha air an doigh cheudna o chionn ochd bliadhna eadar Sidni us Cow Bay. Tha paipear-naidheachd an Truro ag radh: “Re nan deich laithean a chaidh seachad, chaidh tri cisteachan-laidhe anns an robh cuirp dhaoin’ oga mhuinntir Cheap Breatuinn a dh’eug ’sna Staitean, triomh ’n bhaile so air an rathad gu dachidh an oige gu bhi air adhlacadh.” Tha e muladach ri fhaicinn na tha de dh’oigridh an eilean so a falbh a h-uile bliadhna, moran dhiubh a fagail deagh dhachidhean, agus moran dhiubh nach till am feasda gus an teid an guilan dhachidh gus an caradh fo’n fhod. Chan eil anns a sgeul a tha tighinn a Truro ach sgeul a tha ri chluinntinn gle thric. Chaidh stor le Mr. A Jamieson, am Brook Village a losgadh maduinn Di-sathairne s’a chaidh. Bha ’n stor faogailte agus thoisich an teine mu dheich uairean s’a mhaduinn. Chan eil fhios cia mar a thoisich e. Cha robh airgiod-urrais air an stor idir. Faisg air Baddeck bha tigh le Seumas Archibald air a losgadh feasgar Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha’n teine ’n deigh greim cho laidir fhaighinn air mu’n robh e air fhaicinn ’s nach gabhadh e cuir as. B’fhiach an tigh mu dha mhile Iolair. “Mac-Talla ’s an “Scottish Canadian,” fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth. BURDOCK BLOOD BITTERS Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo-fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. LEIGHISIDH E DROCH STAMAG, DOMLASACHD, CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT, TEINE-DE, EASBA-BRAID, LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR, TUINEALICH MEUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean ’Ic Fhionghain, ri taobh “Talla na Sionachd,” (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c., ’s iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c., air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. C. S. JOST, & Co. Iun 1, 1833. [TD 159] [Vol. 1. No. 57. p. 3] GAOL GAIDHEALACH. SGEULA FIRINNEACH. Le Naill MacLeod, II. Cha ’n ’eil teagamh nach bi cuid ullamh air coire fhaotainn do Sheonaid air son cho laidir ’s a bha i ’n a barail fein agus cho rag-mhuinealach s a bha i an aghaidh toil a parantan, agus gu’n robh sin ann an trmhas mor a’ cur mi-mhaise air na buadhan oirdhearc eile bha i ’sealbhachadh. Ages cha ’n ’eil teagamh mar an ceudna nach e sochair agus dleasnas araid cloinne umhlachdh a thoirt do’n aithne mhoir agus urramaich sin—“Thoir onair do d’athair agus do d’mhathair.” Ach an deigh sin, tha am ann anns am faod parantan a bhi cearr agus clann a fhi ceart. Agus tha mi ’creidsinn nach ’eil am anns an dualaiche do pharantan a bhi air am mealladh a thaobh an cuid cloinne, na am posaidh, gu h-araid posadhan cuid nighean. Tha, mar is trice, na parantan a’ roghnachadh agus a’ cur air leth ceile dha ’n cuid nighean a reir an cridhe fein, agus cha ’n ’eil iad a’ toirt suil air ciod e cho mi choltach ’s a dh’ fhaodas an da aigne agus an da inntinn aca bhi r’ a cheile. Cha ’n ’eil teagamh nach e math an cuid cloinne ’tha aig na parantan ’s an t-sealladh ann a bhi ’deanamh sin. Tha iad toileach a bhi ’g am faicinn air an deadh shuidheachadh na’n crannchur saoghalta; ach tha am anns an tig toradh math de’n togradh sin agus am nach tig. Agus tha mi anns creidsinn gu bheil moran posda—daoine agus mnathan—a dh’ fhaodadh a radh le firinn mar a thuirt am fear roimhe—“Fhuair mi cuid ’s fhuair mi luid; ach dh’ fhalbh a’ chuid ’us dh’ fhan an luid.” Cha ’n ’eil neach air bith ’tha dol troimh an t-saoghal so, aig a bheil breithneachadh glan agus a shuilean fosgailte, nach faod fhacinn gle thric gu bheil iomadh caraid cuideachd aig nach ’eil an inntinn agus an doigh a’ freagairt da cheile, agus ge do tha iad cuideachd ann an selladh dhaoine, aig a bheil an da nadur cho dealaichte bho cheile ’s a tha ’n aird an ear bho ’n aird an iar. Cha ’n aithne dhomh sealladh a ’s mi-chiataiche na maighdean og bhlath-chridheach, le faireachadh beo agus tlath a fhuair a togail gu muirneach ann an teaghlach riaghailteach agus cairdeil, fhaicinn ceangailte ri umbaidh de dhuine aineolach, borb, agus an-iochdmhor, ged bu leis an soaghal. Agus tha e pailte cho mi-chiatach, duine buadhach dichiollach a tha deonach air deanamh gu math agus tighinn air aghaidh, ’fhaicinn ceangailte ri sgliodraich de bhoirionnach gun fheum. Ach tha eagal orm gu bheil an da chuid a’ tachairt gle tric. Agus ’s e ’n toradh a tha iomadh uair ag eirigh uaithe sin aimhreit agus doilgheas, misg agus mi-shonas, atha ’fagail iomadh broilleach gun sith. Ach gu tilleadh ri ar sgeula. Bha mar a dh’ ainmich mi ’cheana, cuirm mhor ann an tigh athair Seonaid air a’ cheart oidhche ’chuir i fein agus Domhnull air leth air son teichidh, agus bha fios math aig Seonaid ’n uair a bhi muinntir na cuirme gu h aighearach, ceolmhor mu’n cuairt air a’ bhord, gu’n robh Domhnull le sgioba agus le bhirlinn leitheach cuain eadar Eileansa’, cheo agus Uidhist, a’ dol g’a h-iarraidh. Bha eagal oirre gu’m faodadh muinntir na cuirme fuireach tuilleadh ’us anmoch, agus na’n tigeadh Domhnull faisg air a’ bhaile agus a leithid de shluagh mu’n tigh, gu’m faodadh cuid dhiubh ’fhaicinn, agus gu’m biodh sin na ’mheadhon air gach comhairle mhaith a bh’ aca a chur bun os cionn. Uime sin leig i oirre gu’n d’ fhas i ro thinn, dh’ fhag i seomar na cuirme agus chaidh i suas an staidhir gu a seomar leapa. Bha sin ’n a mheadhon air sgapadh a chur ’s a’ chuideachd mar a bha mhiann oirre. Chruinnich an teaghlach mu’n cuairt air Seonaid, a’ frithealadh dhi leis gach ni a shaoileadh iad a bha gu feum dhi, agus co bhiodh air thus ’s air thoiseach ach an Sasunnach mor. Thuirt Seonaid riutha mu dheireadh gu’m faodadh iad gabhail mu thamh; nach robh ann ach droch thuaineal a thainig ’na ceann, agus gu’n robh i ’g a faireachadh fein ceart gu leoir. Ghuidh muinntir an teaghlaich oidhche mhath dhi, agus dh’ fhag iad i. Ghabh an Sasunnach mor beannachd leatha gn caoin, cairdeil mar a b’ abhaist dha, ach tha mi’ creidsinn na’m biodh fios aige gu’m b’ e sin an selladh mu dheireadh a bha e gu fhaicinn dhi ’s a’ bheatha so, nach robh e air falbh cho luath, agus nach biodh a chadal ach bruailleanach an oidhche sin. An uair a ghabh an teaghlach mu thamh, dh’ eirich Seonaid, agus thoisich i le cridhe luaineach agus iomaguineach air ullachadh air son an turais mhoir agus neo-chinntich a bha air thoiseach oirre. Las i solus agus chuir i ’n a shuidhe anns an uinneig e, ni bha gu bhith ’n a chomharadh do Dhomhnul air an t-slighe bhi glan air thoiseach air. Cha robh seoladair riamh ann an gabnadh cuain ag amharc air son tigh-soluis, no fear-faire na h-oidhche ag amharc air son reulta na maidne a dh’ eirigh ’s an ear na bu durachdaiche na bha Domhnull ag amharc air son an t-soluis so. Thainig e fein agus an triuir ghillean a bha leis air tir; ghabh iad suas thun an tighe, gu socair, samhach. Bha’n tigh gu math ard, agus bha Seonaid ann an aon de sheomair mhullaich an tighe, agus b’ i’ cheist, cia mar a gheibheadh iad Seonaid a nuas. Ach cha robh iad fad’ an ioma-cheist a thaobh sin. Fhuair iad faradh mor ann an sabhal faisg air an tigh, chaidh a shocrachadh ris an uinneig, agus bha Domhnull shuas cho luath ri gearr. Ann an gle bheag uine bha Seonaid agus na nothaichean beaga ’bha i ’toirt air falbh leatha, aig na fearaibh anns a’ bhata. Thog iad a siuil rithe gu tosdach, samhach, fodh comhdach dorcha na h-oidhche, a’ suidheachadh a cursa air Eilean-a’-cheo. Seid, a ghaoth an iar, gu ciuin, Na eireadh lasan air do ghnuis, Na duisgeadh fearg air muir no tonn, Gu ruig a’ charaid og so fonn. (Ri Leantuinn.) LEAN RIS A CHEART. Tha gniomh ceart a tighinn bho nadar ceart. Air son gearrach, goirteas, cholera morbus, sen leigheas ceart Fowlers Extract of Wild Strawberry—leigheas cinnteach. Na rach am feasd air turus gun e bhi agad. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL. Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACAIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloin uinneag air a phris a’s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, SIDNI, - - - C. B. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI’N REIC SAOR [TD 160] [Vol. 1. No. 57. p. 4] CAMANACHD ANN AN LUNNUINN. Co-cheangailte ris an ath-bheothachadh tha tighinn air gach ni Gaidhealach, tha na h uile coltas air seann chluich na Camanachd gu’m bi e air aisigeadh gus a chiad aite am measg nan cluichean Gaidhealach, agus is ann a tha e na ni iongantach gu’n do chaill e riamh an t-aite sin, oir cha’n aithne dhomh fhein cluich sam bith eile ’tha cho freagarrach airson gach ball de’n chorp a chuir an cleachdadh. Tha obair gu leoir ann airson na lamh, na coise, na bodhaig, agus na sula, agus cha’n e fear a tha cearbach ann an aon diubh sud a ruigeas a leas a bhi ’n duil gu’n d’ thoir e barrachd anns a chluich so. Bha la mor againn deth anns a bhaile so air Di-haoine ’s a chaidh, nuair a bha Comhstri chairdeil ann eadar da’ Chomunn:—“Comunn Camanachd Siorramachdan an Taobh Tuath ann an Lunnuinn” (air an d’thug mi iomradh ghoirid o chionn beagan sheachduinnean agus “Comunn Camanachd nan Albannach Lunnuinneach.’ Cha robh an comunn mu dheireadh a dh’ainmich mi ach air a steidheachadh o chionn ghoirid agus mar sin bi so a chiad chomhstri de’n t-seorsa a chunncas riamh an Lunnuinn. Bha coig daoine diag a cluich air gach taobh agus lean iad air an t-strith fad uair gu leth. Cha robh iad fada cluich nuair a bha e ri fhaicinn gu’n robh chuid a b’fhear de’n la gu bhi aig an t-seann chomunn. Ged nach robh coltas orra bhi na’n daoine cho trom, laidir, riu-san a bha cluich na’n aghaidh gidheadh bha iad cho smiorail, luath, agus cho math air a chneac a bhualadh an dara fear gus an fhear eile, ’s nach mor gu’n d’thug iad cothrom idir do na fir eile air faighinn faisg air puist an taghail. Bha chuid a b’fhearr aca de’n chluich fad na h-uine agus nuair a bha ’n fheadag air a seideadh aig am sguir bha iad air a chneac a chuir eadar na puist coig uairean gun an fheadhainn eile leithid ceudna dhianamh idir. Bha mar so a bhuaidh aig Comunn an Taobh Tuath le coig taghaill. Chruinnich aireamh mhor sluaigh a dh’fhaicinn na comh-stri agus cha bu duilich aithneachadh gu’m bu Ghaidheil a mhor-chuid diubh, oir chluinneadh neach iad air gach taobh a cuir failte air a cheile anns an t-seann chainnt no ag eigheachd ri cluicheadair araidh “Buail i bhalaich, ’s math a gheibhear thu” no facail eile de’n leithid sin. Bha seachdnar phiobairean air an raon agus nuair a bha chluich thiris sheid iad so suas agus threoraich iad an sluagh gu talla mhor far an robh diothad air a h-ullachadh, agus an sin chaidh oidhche chridheil a chuir seachad le dannsadh Gaidhealach agus orain Ghaidhlig. Bha gach ni air a dheanamh gu siobhalta, lan-thoilichte le obair an la. Gu ma fada beo seann chleachdaidhean ar n’athraichean. CABAR-FEIDH. Lunnuinn April 4mh 1893. FACAL A MARGAREE. Tha ’n t-side tioram, agus tha ’m barr ann an cunnart mur d’thig uisge ’n uine aithgearr. Tha aodann nam beann us airidh nan gleann nair an sgeadachadh ann an ailleachd ro dhreachmhor; agus ’s mor an toileachadh inntinn do neach air bith dol air faontradh feadh nan stuc mu’n am so’n t-samhradh. Tha sgeul a tigh’nn ugainn gu’m bheil am bradan gle phailt aig Acarsaid Mhargaree, agus gu’m bheil triuir ga cheannach am bliadhna air son margadh nan Staidean. Tha iad a paigheadh naoi sentachan am punnd air; agus tha so na phris fior mhath. Chuala mi gu’n d’thuair aon fhearr ceithear a latha roimhe a thoimhais ceud punnd. Bha so naoi dollair air son beagan uairean do thrioblaid. Tha slainte buadhach anns na criochan ’s o chionn uinne mhath, agus tha MAC-TALLA toirt fior sholas ugainn le cheilidh gach seachduinn, air choir ’s nach ’eil farmad againn ri aite ’tha fo’n ghrein. CAORSTAIDH. DROCH CAS. Bha mi dona le domblasachd, ceann goirt, agus cion cail. Cha b’urrinn domh cadal ’san oiche, ’s bha mi” gle lag, ach an deigh dhomh tri botuill de B. B. B. ol, tha mo chail nas fhearr na bha i o chionn bhliadhnichean. Cha tiginn as aonais idir. MRS. WALTER BURNS, Maitland N. S. Bi cuibhteas do dhroch stamag mu’n tig an cholera, Leigsidh K D C am miar a’s miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY, LTD. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. D. MAC ’ILLINNEAN, TAILEIR, SIDNI, - - C. B. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear aig aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha ’nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni. C. B. COMHRADH. “De’n uair a tha e?” “Tha e coig mionaidean an deigh tri. “Ciamar a tha fios agad?” “Nach do sheall mi air m’ uaireadear.” “Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.” Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’so uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.” “Co ’charaich e?” “O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”