[DA 1] AN T-URRAMACH IAIN MAC-RATH (“MAC-RATH MOR”) A BHA ANN AN LEODHAS BEAGAN IOMRAIDH M’ A BHEATHA AGUS CRIOMAGAN DE ’THEAGASG LE NEACAL MAC-NEACAIL MINISTEAR SHRATH-GHAIRBH Maille ri Dealbh Mhr Mhic-Rath INVERNESS GEORGE YOUNG, NEW MARKET 1894 [DA 2] [Blank] [DA 3] ERRATA. Page 8—Line 8.—For gu read an. Page 10—Line 9.—For Taoth read Tuath. Page 14—Line 34.—For uruaigh read urnaigh. Page 16—Line 2.—For as read ann. Page 18—Line 18.—After Chriosd? read Chan ’eil tearainnteachd dhuibh ach ann an Criosd. Page 27—Line 26.—For an so read an so le còir. Page 28—Line 24.—After eigneach read ud. Page 32—Line 10.—For airgin read airgid. Page 35—Line 17.—For fola read feola. Page 39—Line 20.—After agus read d’ a. Page 39—Line 22.—After àm read ud. Page 40—Line 21.—After beatha” read Rinn e uine araidh an amhghar dhe na deich laithean. Page 42—Line 36.—For cum read gum. Page 43—Line 23.—For nithean read nighean. [DA 4-5] [Blank] [DA 6] [Dealbh] [TD 1] AN T-URRAMACH IAIN MAC-RATH (“MAC-RATH MOR”) A BHA ANN AN LEODHAS BEAGAN IOMRAIDH M’ A BHEATHA AGUS CRIOMAGAN DE ’THEAGASG LE NEACAL MAC-NEACAIL MINISTEAR SHRATH-GHAIRBH Maille ri Dealbh Mhr Mhic-Rath AN DARAUDH MEIL. INVERNESS GEORGE YOUNG, NEW MARKET 1895 [TD 2] PRINTED AT THE HIGHLAND NEWS OFFICE, INVERNESS. [TD 3] ROIMH-RADH THA seachd-bliadhn’-déug a nis seachad o ’n chaochail an t-Urramach Iain Mac-Rath, no mar theirteadh gu coitcheann ris, “Mac-Rath Mór.” Is e sin a’ cheart ùine a bha an Dr Dòmhnallach air caochladh mu ’n do sgrìobhadh ’eachdraidh le Dr Kennedy. Chan ’eil e, uime sin, tuilleadh is fadalach dhuinn nì-eigin a sgrìobhadh mu ’n fhianuis mhóir so, an uair nach do thogair neach eile a dhèanamh. Chaidh iomradd briagha a dheanamh air anns a’ Bhéurla, anns an leabhar sin “Fiùghalaich an Dealachaidh” (“The Disruption Worthies”). Cha tuig móran d’ ar luchd-dùthcha gu math a’ Bhéurla, agus uime sin chuir sinn cuid mhór de ’bheatha ann an Gàidblig as an iomradh Bhéurla. Bha sinn a’ feitheamh o chionn fhada ri barrachd ’fhaighinn m’ a bheatha agus cuid de theagasg, an déigh dhuinn fios follaiseach a thoirt air son sin. Ach tha e coltach nach ’eil muinntir ann aig a bheil dad ri thoirt m’ a thimchioll. Is cubhaidh gum biodh iomradh air a dhèanamh agus air a chur an clò mu fhianuis cho mór ’s a thogadh agus a dh’ aidicheadh riamh le Dia anns a’ Ghàidhealtachd. “Air chuimhn gu bràth bidh am firean.” [TD 4] [Blank] [TD 5] AN T-URR, IAIN MAC-RATH. RUGADH an t-Urramach Iain Mac-Rath ann an Achadh-nan-gart, an Cinn-taile,* am mios Maigh, 1794. B’ aon e de dha-phearsa-dheug chloinne anns an aon teaghlach. Bha siathnar dhiubh nach d’ thainig gu ire, agus dhe’n t-siathnar eile, a thainig gu ire, b’ esan an neach a b’ oige de thriuir bhraithrean agus triuir pheathraichean. Cha robh e ach na fhior leanaban an uair a chaidh a pharantan air imrich á Achadh-nan-gart gu Aird-Eilbh, an Loch-Aills. Bha araon ’athair agus a mhathair de Chloinn Mhic-Rath, agus mar sin bha esan na fhior Mhac-Rath a thaobh breith, cinne, agus duthchais. Bha e cumhachdach na chorp, mar bha e am buadhan ’inntinn. A thaobh cuirp is inntinn bha e na dhuine cho foghainteach is cho geur-chuiseach ’s a thogadh riamh anns a’ Ghaidhealtachd. Agus ma bha e aineolach agus dorcha an tus a latha air na nithibh a bhuineadh do Dhia agus do shlainte ’anma, bha e, an deigh do dh’ atharrachadh grais tighinn air, na ’fhianuis agus na rionnag-sholuis o Dhia cho mor ’s a bha am measg sluaigh sam bith agus ann an aite sam bith air an talamh. Bha ’athair an Aird-Eilbh re naoi-bliadhn’-deug. Thug e foghlum math d’ a chloinn, oir bha e an comas math gu sin a dheanamh, agus fhuair Iain foghlum cho math ’s a bha ri fhaotainn ann an sgoilean an la ud. Bha Iain og geur na inntinn air son foghlum a thogail. Chaidh iad á Loch-Aills do ’n Mhorbhaich, aig ceann tuath Loch-Dubhaich, an Cinn-taile, far an do chaochail ’athair roimh cheann na bliadhna. Ghabh Iain agus brathair dha, goirid an deigh sud, aite chaorach aig taobh deas Loch-Caruinn, ris an abrar An t-Iomaire. Tha e coltach gur ann an sud a bha e an uair a thachair do Mhr Lachlann agus do Mhr Kennedy a bhith a’ gabhail cuairt. Chual iad Iain Mac-Rath a’ labhairt le guth ard, garbh, ris na coin, ga ’n cur an deigh nan caorach. Thuirt Mr Kennedy, “Nach fiadhaich garbh guth an oganaich ud?” “Is eadh,” arsa Mr Lachlann; “tha mise cleachdte ris a’ ghuth gharbh ud, ach tha mi mar gum bithinn a’ cluinntinn guth chaoil, chiuin, air * Tha sgriobhadair eile ag-radh gur ann an Aird-Eilbh, an Loch-Aills, a rugadh e. [TD 6] cul a’ ghuth ghairbh ud. Chan ’eil duil agamsa an la fhaicinn ach faodaidh tusa, Iain, fhaicinn agus a chluinntinn, nach bi neach na latha a’ searmonachadh anns a’ chubaid a bheir barrachd air a’ cur an ceill saor ghras Dhe ann an Criosd do na peacaich.” Chaidh e as an Iomaire gu Mam Ratagain air taobh deas Locha-Dubhaich, far an robh roinn de ’n ghabhaltas sin aige comhla ri caraid eile dha. Is e a bha na cheann air na daoine a thug air adhart an rathad-mor suas bruthach cas Mam Ratagain agus a’ tearnadh gu taobh Ghlinn Eilg. Is ann an sud, tha e air aithris, a bha e na shuidhe aig biadh maille r’a dhaoine, an uair a thachair do Fhionnladh Munro, soisgeulaiche dileas, a bhith a’ dol seachad. Thug Mr Iain cuireadh dha gu suidhe aig biadh, agus tha e coltach gun do rinn cainnt Fhionnlaidh an am taing no buidheachas a thoirt, druigheadh air ’inntinn. Chan ’eil aithris air a dheanamh mu dheighinn diadhachd a pharantan, ach bha piuthar aige air an robh iomradh math air son a diadhachd agus a bha na cobhair mhoir dha an uair a bha e fo dhearbhadh peacaidh. Tha e soilteir gun robh ’aire an toiseach air a glacadh le eisimpleir na peathar so a bu shine na e fhein. Rinn a caithe-beatha diadhaidh esan mi-shuaimhneach, a’ dearbhadh gun robh cinnteachd anns an diadhachd air an robh esan na thur choigreach. Ach is e am meadhon araidh a ghabhadh gu bhith ga thoirt gu geur mhothachadh peacaidh agus a chor caillte, searmoin a rinn an Dr Domhnallach aig Port-na-Cloiche, an Loch-Caruinn, anns an achadh fhosgailte, o’n earrainn so:—“Rachaibh a mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Righ Solamh leis a’ chrun leis an do chrun a mhathair e, air la a phosaidh agus air la subhachais a chridhe.” Bha dragh ’inntinn cho mor re uine agus nach b’urrainn da an aire a thoirt do ghnothach sam bith. Chan fhaighteadh ach gann neach an aite ’s an tir a bu treise na chorp na e; ach bha e ag innseadh gun robh e air a lagachadh cho mor le teanntachd ’anma agus na ’n coinnicheadh a chas ri ploc no ri cloich air taobh a’ chnnic, gun tuiteadh e gun chli air an talamh. Bha moran anns an tir a’ smaointeachadh gun do chaill e a chiall, agus iad ri caoidh mhoir air son a leithid de dhuine og a bhith gun fheum d’ a theaghlach agus d’ a chairdean. Is ann ’s an Tòiseachd a fhuair e a’ chiad saorsa. Chaidh e ann na thur choigreach, agus a chionn cho domhail ’s a bha an t-aite le sluagh air tional o astaran fada chum an Orduigh, ghabh e eagal [TD 7] nach faigheadh e ach an t-achadh mar aite-taimh; ach thug bean araidh a dh’ ionnsaidh a tighe e, neach a bha gu tric as a dheigh sud a’ faotainn aoidheachd uaith-san na thigh fhein anns a’ Chnoc-bhan. Is ann ag eisdeachd Dhr Aonghas Mac-an-Toisich air feasgar Sabaid anns an Tòiseachd a bhrist solus glormhor an t-Soisgeil a steach air ’inntinn, agus e ro iosal fo throm smuairean mu shlainte ’anma. Cha bu luaithe a bha e mar so air a threorachadh gu dochas an t-Soisgeil na bha aire air a tionndadh gu bhith a cur ’fhoghluim am feabhas, agus an uine ghearr bha e comasach air sgoil a theagasg aig Arnasdail, ann an Gleann Eilge. Is ann an sud a thoisich e an toiseach air an t-sluagh earaileachadh air an t-Sabaid, agus air cumail choinneamhan air an t-seachdain, meadhonan a bha gu mor air an aideachadh le Dia chum slainte do dh’ iomadh anam. Anns a’ chearn ud thoisich obair grais fo ’theagasg cho soilleir agus cho taitneach ’s a chunnacas leis riamh as a dheigh sin re cursa a bheatha luachmhoir anns gach aite ’s an robh e ann an fion-lios an Tighearna. Is ann an so a thoisich e air a smuaintean a thionndadh gus a’ mhinistrealachd. Chaidh e troimh Oilthighean Obar-eadhain agus Dhun-Eideann far an do ghabh e aite ard, gu h-araidh ann am mathematics. Tha e air aithris, an uair a bha e ann an Arnasdail, gun cuala caraid a bha an dluth dhaimh dha mu’n atharrachadh mhath a thainig air Mr Iain. Bha an duine so gle chaoin-shuarach agus de neart mor corpora mar bha Mr Mac-Rath e fhein. Bu tric a ghleachd iad le cheile, agus cha d’fhuair e riamh buaidh air Iain. Is e a thuirt e, “Cha chreid mise sin gus am faic mi e, agus gus an cuir mi dearbhadh air.” A’ chiad aite anns an do choinnich iad chaidh e a ghleachd ris, agus chuir Iain thairis e. Le so dh’ fhalbh e; ach cha do rinn so a ’chuis leis an fhear mhor ud, ach is ann a chaidh e a dh’ eisdeachd Iain a’ chiad uair a bha coinneamh ri bhith aige. Is i an fhianuis a thug e—“Tha rud-eigin- anns an diadhachd nach ’eil a’ h-uile h-aon a’ tuigsinn an uair a thug i Iain Mor Mac-Rath fo chis.” Cho fad’ ’s is aithne dhuinn, bha Mr Iain riamh na dhuine beusach, geur-chuiseach, glic, gu nadurra, mu ’n d’ thainig an t-atharrachadh slainteil air. An deigh dha dol troimh chursa an fhoghluim agus cead searmonachaidh fhaotainn chaidh e gu bhith car uine na fhear-cuideachaidh aig Mr Russell ann an Gearr-loch. Bha aireamh de chreutairean araidh ann an sud a cheangail iad fhein gu teann ris. [TD 8] Rinn a theagasgan spioradail, cumhachdach, agus solasach, an anmannan a bheothachadh, a bheathachadh, agus a mhisneachadh agus bha iad a’ caoidh cho luath ’s a thugadh air falbh uatha e. Chaidh a shuidheachadh ann an Sgire Nis, ann an Leodhas, anns a’ bhliadhna 1833. Shaothraich e an sud fad sia bliadhna gu dileas agus le mor shoirbheachadh. Bha cuid de ’n aois is de ’n oige air an toirt a steach anns an sgire ud fo ’theagasg beothail agus buadhach, oir bha e aig an am ud an treine a neirt, agus ’eud cho geur air son gloir Chriosd agus tearnadh pheacach. Bha cuid ann an Nis ag innseadh dhuinn gum biodh an ceo a bha ag eirigh o ’cheann leis an fhallus a’ dol suas gu mullach na h-eaglais. Cha robh a shaothair gu cinnteach diamhain anns ann earrainn ud de ’n-fhion-lios, agus bu ro luath leo a thugadh uatha e gu bhith air a shuidheachadh ann an aite eile. Bha an doigh anns an do chaith e oige agus tus a dhaonnachd ann an Cinn-teile, ri iasgach agus ri ciobaireachd, feumail dha ann an cursa a bheatha as a dheigh sin. Cha bhiodh e furasda amas air stiuradair bata a bu teoma na e, agus an cursa a mhinistrealachd bha ’eolas-marachd gu tric air a chur gu feum, gu h-araidh ann an Leodhas. B’ abhaist da iomradh a dheanamh air aon uair a bha e a’ dol air adhart ann am bata fosgailte o Steornabhagh gu Nis. Ghlacadh le doininn iad aig a’ Bhut Leodhasach agus ann an stiuradh a’ bhata bha ’aire cho mor air a cleachdamh is nach b’ urrainn da a shuil a thogail o ’n obair a bha an earbsa ris gu aon sealladh a ghabhail air an fhearann agus e gu durachdach ag iarraidh gum faigheadh e fhein agus na daoine a bha maille ris aon uair sabhailte gu tir. Bha an fhairge cho gabhaidh is nach b’ urrainn doibh dol gu tir; ach air do dh’ airimh mhoir dhaoine air tir am faicinn a’ tighinn am fagus, chuir iad iad fhein an ordugh ann an da shreath mu choinneamh a cheile; and sin a’ cumail griem air lamhan a cheile chaidh iad a mach inbhe bhig anns a’ mhuir, agus a’ gabhail fath air an am anns an robh am bata air a giulan a steach le tonn mor, ghlac iad i agus ghiulan iad i fhein agus a sgiobadh agus a luchd sabhailte gu talamh tioram. Chaidh Mr Mac-Rath atharrachadh do ’n Chnoc-bhan anns a’ bhliadhna 1839. Is ann an sud a fhuair e an t-ainm a lean ris riamh tuilleadh—“Mr Mac-Rath Mor,” Tharraing an doigh iongantaich, bhuadhaich, theagaisg a bha aige moran g’ a ’eisdeachd o gach cearna mu ’n cuairt. Shaothraich e anns a’ Cnnoc-bhan re naoi bliadhna agus lamhaich e buaidh mhor thairis air a’ Ghaidh- [TD 9] ealtachd ’a Tuath agus an Iar, araon anns a’ chubaid agus air comhnard, a’ mineachadh agus a dion bunabhasan na h-Eaglais. Is ann an so a bha e an uair a shuidhich Dr Chalmers air mar neach ro fhreagarrach air son dol a mach air feadh na Gaidhealtachd agus nan Eileanan chum a bhith a mineachadh cuisean agus coraichean na h-Eaglais agus chum, a bhith a’ cur iompaidh air an t-sluagh gu seasamh leis an fhirinn agus leis a’ cheartas. Chaidh a chur a mach mar a thoilich agus a mhiannaich Dr Chalmers, agus shoirbhich leis gu mor na theachdaireachd, agus ann a bhith a’ suidheachadh choimhthionalan ura ann an caochladh chearnaidhean. Anns a’ Gheamhradh, 1842, agus anns an Earrach, 1843, bha e gu mor air a chleachdamh ann am mineachadh do shluagh na Gaidhealtachd nam bunabhasan a bha aig an àm ud ga’n cur gu deuchainn agus ann an cunnart a bhith air an saltairt gu lar. A thaobh a chliu mor mar shearmonaiche fhuair e cothrom air dol a steach do chearnaidhean a bhiodh air dhoigh eile duinte air; agus cha robh neach eile ann a bha na mheadhon cho mor ann an ullachadh an t-sluaigh air son aonadh ris an Eaglais Shaoir an uair a thainig am an Dealachaidh. Is ann an uair a chuireadh muinutir na aghaidh agus a bheireadh iad aicheadh d’ a theagasg a bha a fhreagarrachd air son na h-oibre so gu sonraichte air a nochdadh—a dhuinealas, a dhiadhachd iongantach, ’eud air son onair Chriosd mar Righ Shioin, an fhuath mhor a bha aige do theagasg agus do ghnathachadh nam Moderates, agus an uair a ghairmeadh fath e air shon, a gheire agus ealamhachd ann am freagairt a luchd-connsachaidh. Choisinn na buadhan so uile dha muinghin an t-sluaigh agus bu mhor an gairdeachas a bhiodh ann an cearna ’s am bith an uair a dh’ ainmichteadh gun robh “Mac-Rath Mor”—mar bu chaomh leo a bhith ga ainmeachadh—a’ dol g’an taghal. B’e Mr Mac-Rath gu h-araidh ministear an t-sluagh, agus cha robh riamh ministear anns a’ Ghaidhealtachd mu thimchioll am faodteadh le tuilleadh firinn a radh gun d’ eisd an sluagh ris gu toileach. Agus air an laimh eile, bha fuath neo-ar-thaing cho dian aig ’eascairdean da. Bha e a’ saothrachadh mar so re aireamh bhliadhnaichean an deigh an Dealachaidh ann an obar na h-Eaglais anns ’a Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Bha e gun sgios a’ misneachadh agus a’ stiuradh choimhthionalan; agus gun umbail do thrioblaid no do ghabhadh, bha e ri buan oidhirpean gus an soisgeal a ghiulan a [TD 10] dh’ ionnsaidh a luchd-duthcha ann an aiteachan iomallach far nach robh gus a sin sochairean an t-Soisgeil air an sealbhachadh. Aig am bas Mhr Mhic-Rath thog an t-Urramach Dr Elder, Bhaile-Bhoid, an fhianuis a leanas mu ’u obair mhoir a rinn e aig am an Dealachaidh:—“A thaobh a shaothair mhoir agus luachmhoir as leth ar n-Eaglais ghradhaich, chan urrainn domh aig an am so mion labhairt a dheanamh. Aig àm an Dealachaidh, mar is urrainn domhsa fianuis a thoirt o na ’s cuimhne leam fhein agus o na ’s aithne dhomh, bha e na chumhachd mor anns an Taobh Tuoth agus anns an Aird an Iar a’ mineachadh agus a’ tagar mar nach b’ urrainn ach do ghle bheagan a dheanamh as leth coraichean glormhor an Tighearn Iosa Criosd mar Aon Righ agus Ceann na h-Eaglais; neo-eisimeilachd na h-Eaglais is a thaobh na h-Uachdaranachd Shaoghalta, agus a striochdadh do Chriosd agus d’ a laghannan a mhain ann an cuisean spioradail; agus, cuideachd, ann an seasamh sochairean na h-Eaglais agus an t-sluaigh sin a cheannaich e le fhuil. Cha robh, faodaidh e a bhith, ministear eile ann a fhuair barrachd buaidh ann an treorachadh inntinnean an t-sluaigh gu beachdan soilleir mu’n dleasuas re an àm iomraitich ud.” Thachair da fhein agus do Mhr Domhnallach Urraidh, a bhith aig Loch-Caruinn aig aon uair a’ mineachadh aobharan an Dealachaidh. Dh’ eirich Mr Domhnallach an toiseach agus air do mhinistear na h-Eaglais Steidhichte a bhith a lathair dh’ eirich e agus thuirt e, “Cha ruig thu leas, a Sheumais, a bhith cho beachdail ag innseadh aobharan an Dealachaidh. Is math a b’ aithne dhomhsa thu an uair a bha mi ga d’ theagasg an tigh d’ athar.” Thuirt Mr Mac-Rath an sin, mar dh’ innis Mr Domhnallach fhein duinn, “Suidh thusa, Sheumais, agus leig dhomhsa ’eirigh.” Dh’ eirich Mr Iain a labhairt, agus an ceann uine ghoirid leum ministear na h-Eaglais Steidhichte air a chasan, agus ars’ esan, “Is math a b’ aithne dhomh thusa cuideachd, an uair a bha thu a’ sealg nan sionnach anns na h-aonaichean sin shuas.” “Seadh,” arsa Mr Iain; “tha mi ’faicinn nach do shealg mi uile fhathast iad, agus thusa beo’ an sin ad shionnach. An uair a chual’ e sud theich e mach mar gun cuirteadh urchair ann. Bha e ann an Eilean Thiridhe air Sabaid araidh a’ searmonachadh, agus dh’ ainmich e gun coinnicheadh e riu air a’ chnoc ud a rithist air Di-luain gu bhith a’ mineachadh cuisean an Dealachaidh dhoibh. Thainig misistear na h-Eaglais Steidhichte a mach, paipear sgriobhte aige an laimh, agus [TD 11] thoisich e air a leughadh. “Nach fhaic sibh,” arsa Mr Iain, “an duine truagh sin a’ dol a leughadh ni a bha e a reir coltais a sgriobhadh le saothair an dé.” Thog so gaire am measg an t-sluaigh, agus chuir e stad air na leughadh. Thugadh Cnoc-Mhic-Rath air an tulaich bhoidhich ghuirm air an robh iad cruinn aig an am, mar urram da agus mar chuimhneachan air na thachair. Aig àm eile, agus e a’ labhairt ris an t-sluagh ann an Loch-abar, anns an Earrach, 1843, shuidich ministear na sgireachd e fhein direach m’ a choinnimh. Bha e gu dana, dalma, a’ sgriobhadh sios facail a chuidicheadh e ann a bhith a’ toirt freagairt do Mhr Iain. Cha diochuimhnich an fheadhain a bha a lathair gu brath am miothlachd a bha air am feadh a bha Mr Iain a’ cur an ceill doibh coltas ministear Moderate, agus sin a’ cordadh cho riochdail ri cliu an fhir a bha m’ a choinnimh. Aig crioch gach samhlaidh thionndadh an sluagh mu ’n cuairt agus iad a’ sior amharc air le suil ghéir, mar gun abragh iad, “Sud agad thu fhein; is math is aithne dhuinn thu!” “Cha d’ fheuch am ministear ud ri freagairt a dheanamh. Ars’ esan, “Bhuailinn e, ach tha eagal orm gur e is treise na mise”—agus e fhein na dhuine fior laidir cuideachd. Re na comh stri a thachair mu thimchioll an Aonaidh a bha moran an geall air a dheanamh eadar na h-Eaglaisean, mheas e gum b’ e a dhleasnas, aig coinnimh fhollaisich, buintinn ri cainnt bhosdail ministeir Thuathaich a bha ag radh an aite esan a bhith a’ leantainn stiuraidh ministeir araidh ainmeil anns an Taobh Deas gur ann a bha am ministear sin ga leantainn-san. Thug Mr Mac-Rath fainearan uair a bha esan na chiobair agus aireamh chon aige air a’ bheinn gum biodh iad uairean ri trotan air an adhart roimhe agus uairean eile ga leantainn; ach co dhiubh a bhiodh iad roimhe no na dheigh gum b’ esan a ghnath am maighstir. Bheir sin aon naidheachd eile a’ dearbhadh cho geur agus cho glic ’s a bha e ann am freagairt. An uair a bha e anns na Lochan, chaidh e a mach a ghabhail cuairt air la fliuch anns an earrach. Thug e an aire do dhuine aig an robh a chrait laimh ris an fhearann aige fhein, a’ cur an t-sil. Chaidh e far an robh an duine agus thuirt e ris, “Nach ’eil e ro fhluich an diugh gu bhith a’ cur an t-sil?” “O,” ars’ an duine, “chan ann de shiol a phoca-shalainn a tha sinn.” “Mur a h-ann,” arsa Mr Iain, “is ann is docha thu ghrodadh.” Tha moran naidheachdan mar so a dh’ fhaodamaid aithris, a’ nochdadh fior gheiread agus tulchuis mhor ’inntinn, ach foghnaidh na thug sinn. [TD 12] As a Chnoc-bhan dh’ atharraicheadh do Ghrianaig e anns a’ bhliadhna 1849, agus dh’ fhag e iomadh cridhe bronach agus suil dheurach as a dheigh. Cha ghabh e innseadh an doilghios agus an cradh-spioraid a bha air moran anns an aite ud an uair a dhealaich e riu. Bha feadhain ann, mar chaidh innseadh dhuinn le cinnteas, a ghabh an leapaichean leis a’ bhruthadh agus an lagachadh cuirp agus anma a rinn e orra esan a bhith ga ’m fagail ris an robh iad cho anabarrach ceangailte. Oir fhuair iad math siorruidh d’ an anam agus misneachadh d’ an cridhe o bhith ag eisdeachd ri a theagasgan fallain, blasda. Ann an Grianaig bha a shaothair air a h-aideachadh le mor bheannachd mar an ceudna; agus mar thoradh air na h-ochd bliadhnaichean ministrealachd a fhuair iad dheth an sud dh’ eirich suas aireamh bhriagha, gu sonraichte de mhuinntir og, a bha ceangailte ris le gradh ro mhor, agus a dh’ fhairich gu ro dhuilich an dealachadh an uair a dh’ atharraicheadh e gu sgire nan Loch, ann an Eilean Leodhais, anns a’ bhliadhna 1857. Is e a shlainte a bhith a’ failneachadh a thug air a’ ghairm a ghabhail a fhuair e o sgire nan Lochan. Cha robh aileadh no ceo a bhaile-mhoir a’ tighinn r’ a shuidheachadh no ri ’shlainte, agus air an aobhar sin b’ fheudar dha Grianaig fhagail gu dol do choimhthional mor agus farsaing nan Lochan. Tha an coimhthional an diugh air a roinn na thri a bha aig an am ud na aon sgire. Is ann ’s na Lochan a bha e an uair a thug muinntir Shniosairt, anns an Eilean Sgiathanach, birlinn ghrinn da mar thiodhlac snasail, uasal. Anns an sgire so bha aig Mr Mac-Rath, ann an taghal air a shluagh, ri dol astaran fada air a’ mhuir, agus mar so dh’ ullaicheadh dha an soitheach ud a chum a shaothair a dheanamh na b’ usa dha. Bha luach an tiodhlaic air a mheudachadh le Mr Ruairidh Mac-Leoid, ministear Shniosairt, e fhein ’g a seoladh o ’n Eilean Sgiathanach gus na Lochan ann an Leodhas a chum a sineadh thairis gu h-eireachdail do Mr Mac-Rath. Bha an soitheach so ro fheumail da ann an taghal air a choimhthional; agus aig amannan Comanachaidh, an uair a bhiodh tigh a mhinisteir ro bheag air son aireamh a luchd-taghail, a thigeadh gu tric a cearnaidhean fada air astar, dheanadh e seomar na luinge na sheomar-leapa, far am faigheadh moran gabhail aca gu gasda, agus i na laighe air acair dluth a laimh ann an Loch Liurabost. Anns a’ bhliadhna 1859 chaill e a bhean ghradhach, eireachdail—lomadh a [TD 13] dh’ fhairich e gu mor. Re iomadh bliadhna saothrachaidh agus fulangais, bha i, le a diadhaidheachd, a crionntachd, agus a co-fhaireachdainn, na cuideachadh nach d’ fhailnich riamh dha, agus rinn a bas mor dhruigheadh air. B’ iad na briathran mu dheireadh a chualas as a beul—“Ni mi gairdeachas gu mor anns an Tighearn; bidh ’m anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm eideadh na slainte, chomhdaich e mi le trusgan na fireantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhein le crun sgiamhach, agus mar a dh’ uidheamaicheas bean-bainnse i fhein le a seudaibh.” Trom, cianail ’s mar a dh’fhairich e is ann a chrioslaiche e fhein suas na bu mho air son a chuid oibre, agus ann am feasgar a la is ann a bha e na bu ro phailt’ ann an dichioll an obair a’ Mhaighstir. Shaothraich e gu dileas anns na Lochan agus bha a shaothair gu soilleir air a leantainn le beannachadh Dhe ann a bhith a’ toirt moran og agus sean a steach fo theagasg an t-Soisgeil. Ach air dha a bhith a nis a’ dol air ais na neart agus na shlainte, agus faireachdainn aige nach b’ urrainn da lan cheartas a dheanamh do ’n sgire mhoir, fharsaing sin, anns an robh mu choig mile anam, dh’ aontaich e ri gairm a thairgeadh dha gu dol do Charlobhagh, sgire a bu lugha agus a b’ usa oibreachadh, anns a’ bhliadhna, 1866. Ach cha b’ fhada gus am b’ fheudar da a shaothair a chur dheth, an uair nach b’ urrainn da lan cheartas a dheanamh do ’n sgire, no an obair r mheas e mar fhiachaibh air a choimhlionadh gu comasach. An deigh coig bliadhna de shaothair a bha gu comharraichte air a beannachadh, dh’ fhag e Carlobhagh anns a’ bhliadhna 1871. Bha an uine a chuir e seachad anns an agire sin cho mor air a h-aideachadh ann a bhith a’ toirt sean agus og gu faireachadh ’s a bha earrann air bith eile d’ a bheatha. Bha caoidh mhor anns an sgire aig am da a fagail, agus bidh cuimhne aig na chuala e le ni sam bith de dh’ aithne agus de bhlas air a theagasg brioghmhor, beathachail, buadhmhor, agus luachmhor, cho fada agus a bhios aon diubh beo. Aig am da Carlobhagh fhagail dhiult e gu h-uasal a bhith a’ gabhail na cuibhrinn a bhuineadh dha o ’n choimhthional, agus ged nach robh e na b’ fhaide na mhinistear coimhthionail, shearmonaich e gu riaghailteach cho fad’ agus a mhair a neart; agus tha aobhar a bhith a’ creidsinn gun robh a shaothair gu pailt air a h-aideachadh gus an dearbh chrich. An deigh deich laithean de dh’ fhulangas mor chaidh e gu fois air an 9 mh la de mhios October, l876. Air Dior-daoin roimh ’n tinneas [TD 14] mu dheireadh a thainig air, dh’ fhairich e na b’ fhearr agus bha aoibhneas air a’ smuaineachadh suidhe aon uair eile air an ath Shabaid aig bord an Tighearna. Ach chaidh so co dhiubh ’aicheadh dha. Goirid roimh ’n am ud thug e searmoin luachmhor air an earrainn—“Cha teid do ghrian tuilleadh sios, agus cha mho a dhorchaichear do ghealach, ach bidh an Tighearna na sholus siorruidh dhuit, agus criochnaichear laithean do bhroin.” Agus a nis, an deigh beagan laithean fulangais, bha an gealladh so gun teaghamh air a choimhlionadh na fhaireachdainn-san agus ghabh e aite “far nach teid coimhthionalan fa sgaoil, agus far a bheil an t-Sabaid siorruidh, buan.” Bha cumhachd Mhr Mhic-Rath mar shearmonaiche ro chomharraichte. Ann an iomradh a rinneadh m’ a thimchioll ann an aite eigin bha e air a radh m’ a shearmonachadh gun robh buaidh aige air a luchd-eisdeachd nach robh aig searmonaiche eile ’n ar linn, mur robh Dr Chalmers ann. Is e ar fior bharail fhein nach robh aig Dr Chalmers fhein uiread a bhuaidh air a luchd-eisdeachd ’s a bha aig Mr Mac-Rath Mor. Tha moran de mhinistearan an t-soisgeil agus de Chriosdaidhean eile ann a dh’ aidicheas gu bheil iad fo fhiachan na ’s mo d’ a shearmonachadh na do ’n h-uile meadhon-teagaisg eile a mheal iad riamh, agus nach ’eil duil aca gum bi an t-aite fas a rinneadh le a bhas gu brath air a lionadh suas dhoibh anns an t-saoghal. “Cha robh,” arsa neach d’ am b’ aithne gu math e, “a reir mo bharail-sa, ministear anns a’ Ghaidhealtachd re an da’ chiad bliadhna a chaidh seachad, a rinn a leithid de dhrughadh air inntinn airimh cho mor dhe ’n t-sluagh ’s a rinn Mr Mac-Rath.” An uair a thaisbeanadh e e fhein fa chomhair coimhthionail, ghlacadh e air ball aire an t-sluaigh, agus chuireadh a choltas dearbhachd na ’n cridheachan gum bu teachdaire o Dhia e. Tha iad ach beag anns gach cearna de ’n t-saoghal a chuimhnicheas seirbhisean air an riaghladh leis, gu h-araidh air Sabaidean Comanachaidh, an uair a chunnacas e agus a ghnuis a’ dearrsadh mar aon a thainig a nuas o Bheinn a’ Cho-chomuinn. An uair a leughadh e an t-salm agus a bhiodh e an sas anns an urnaigh. A bhiodh an coimhthional anns an robh, theagamh, miltean sluaigh, air a chur fo eagal gu aire dhurachdaich, am feadh a bhiodh taitneas air aghaidhean sluagh Dhe; agus bhiodh a’ mhuinntir a bu mhi-churamaiche air an cur fo fhiamh agus air an trom ghluasad. Beagan bhliadhnaichean roimh bhas Mhr Mhic-Rath, bha seana [TD 15] Chriosdaidh an Taobh an Ear Siorrachd Rois a thuirt an deigh dha ’eisdeachd ri searmoin uaith, “Shil mi deoir an diugh fo a shearmoin, ni uach do rinn mi o ’n chuala mi Mr Mac-Rath mu dheireadh o chionn mu thuaiream fichead bliadhna.” Is ann air La Sabaid Comanachaidh a bha e gu h-araidh ri fhaicinn mar fo ’n druchd agus le ughdarras neambaidh, le comhfhurtachd agus gu druighteach a’ labhairt ri anamannan a bha a’ faotainn beatha agus misneachaidh bho ’theagasg iongantach luachmhor agus e cho feumail agus cho freagarrach do gach caochladh cor anns am faodadh pobull Dhe a bhith. Is ann a bhitheamaid ga shamblachadh ri teachdaire no ri aingeal a thigeadh direach o fhlaitheanas. Cha b’ ann ri duine sam bith eile a bha e coltach—an t-urram, an t-ughdarras, an cudthrom, an durachd agus an druighteachd a bhiodh air an uair a sheasadh e aig ceann buird air La Sabaid Comanachaidh. An fheadhain nach robh eolach air a chaithe-beatha an uaigneas cha do thuig iad ach beag de thairisneachd a naduir agus an fhuath anabarrach a bha aige do ni sam bith suarach agus neo-airidh. Ma cheadaichear dhuinn e faodaidh sinn an uiread so innseadh de ghnothach a bha aige ruinn fhein. Bha sinn ag ullachadh gu dol a mach gu foghlum a Ghlaschu. Thachair e oirnn uine ghoirid mu’n d’ fhag sinn. Ars’ esan, “Is fhearr dhuit fuireach aig sgoil Charlobhagh gu bhith a’ teagasg na cloinne air a’ gheamhradh so.” Fhreagair sinn e nach fanamaid o ’n dh’ ullaich sinn falbh gu deas. An sin thuirt esan, “Nach fan thu, is bidh mise am dheagh charaid dhuit?” Chuir e tri uairean ruinn fuireach ach cha d’ aontaich sinn. Thuirt e mu dheireadh, “Mur a gabh thu mo chomhairle-sa chan fheairrd thu fhein sin.” Fhreagair sinn nach robh aobhar aige a bhith diombach no ana-cothrom air bith a dheanamh dhuinn. “Ni sin a’ chuis,” ars’ esan, agus e a’ falbh uainn. Dh’ fhalbh sinn gu deas, agus chuir sinn a dh’ iarraidh teisteanais air an uair a bha feum air, agus cha b’ ann gun iomagain, gun eagal, nach tugadh e seachad duinn an teisteanas. Ach is ann a sgriobh e teisteanas ciatach a chuir ioghnadh agus naire oirnn, agus litir chairdeil agus gearan e’ arson a chum sinn riamh cho fada uaith. An uair a thainig sinn dachaidh anns an Earrach, chaidh sinn ga fhaicinn agus thug sinn buidheachas da. Thuirt e, “Tha mi toilichte gun d’ thainig thu ga m’ fhaicinn.” Labhair sinn mu ’n aite iomallach [TD 16] gus an robh sinn a’ dol a theagasg. cloinne agus gu bhith a cumail sheirbhisean air an t-Sabaid, gun robh e duilich leinn dol ann a sud gu Eilean iomallach Shothaidh air taobh deas an Eilein Sgiathanaich. “Theid thu ann,” ars’ esan, “agus dearbhaidh tu thu fhein ad dhuine agus ad Chriosdaidh.” Sin a’ choinneamh mu dheireadh a bha againn ris agus a’ chomhairle dhileas, dheireannach a thug e dhuinn. Chan urrainn duinn gun a bhith gu brath a’ labhairt uime mar neach a choisinn ar n-aire, ar meas, agus ar n-urram os cionn na h-uile a b’ aithne dhuinn no a chuala sinn riamh air an t-saoghal. Gidheadh tha sinn ag earbsa agus ag radh gun robh eolas againn air an fhirinn na ’cumhachd mu ’n cuala sinn riamh e. Ach mar thuirt an Dr Domhnallach mu Mhr Robison, faodaidh sinn a radh mu Mhr Mac-Rath Mor— “Bho ’n chualas leamsa ’n tus mo la Do theagaisg bhuadhach, chubhraidh, thlath, Thug thu am barrachd dhomh air cach, Am measg nam braithrean urramach.” Cha robh sinn cha mor fo fhiachaibh do Dhia air son aon a chuala sinn riamh d’ a sheirbhisich mhora ’s tha sinn air a shon-san. Chuala sinn barrachd air aon uair Dr Mac-an-Toisich, Dhunomhainn; Dr Mac-an-Toisich Mac-Aoidh, anns na Hearaibh; Di Iain Kennedy; Mr Ruairidh Mac-Leoid, a bha an Snizort; Mr Spurgeon, agus feadhain ainmeil eile, ach thug esan am barrachd dhuinn orra uile am brigh, am beatha, am buiadh, an luach, agus an druighteachd. Tha meomhair nach olc againn, ach feumaidh sinn aideachadh nach urrainn duinne no do neach sam bith eile, is e ar barail, cainnt Mhr Mhic-Rath a chur sios no a thoirt seachad leis an t-suasmhorachd agus anns na dearbh bhriathran a labhradh e fhein, ach rinn sinn ar dichioll, gun ach gann comhnadh air bith faotainn o neach eile, a mach o bheagan phronnagan a chuireadh thugainn. Ann a bhith a’ toirt an iomraidh so air beatha air cliu agus air saothair Mhr Mhic-Rath gu crich, chuireamaid sios na bhriathran fhein a dhochas air son siorruidheachd, mar a chuir e an ceill e anns an litir mu dheireadh a sgriobh e gu aon de ’theaghlach. Ghnathaich e na briathran cudthromach, seadhail, oirdhearc so:—“Ciod e an seadh a tha anns an fhacal gras air son mo leithidse? Tha e a’ gabhail a steach gach [TD 17] ni a tha feumail air son slainte peacaich, a’ leum thairis air beanntan do cheannairc an-tromaichte, neo-chriochnach na shaorsainn iomlain. An ni a tha feum agamsa air is e a bhith a’ lan ghabhail a steach so na ’chumhachd agus na ’ghloir.” Tha e a’ gabhail fois o a shaothair agus leanaidh ’oibre e. Na shearmonachadh bha a mhac-meanmna laidir air a chleachdamh gu comharraichte ann an dealbh shamhlaidhean agus ann a bhith a’ gnathachadh chuisean nadurra agus naidheachdan brioghmhor gu bhith a’ minechadh agus a’ soilleireachadh nithean spioradail. Leis a’ chleachdamh so bha e a’ glacadh aire gach seorsa sluaigh, agus bheireadh iad leo na ’n cuimhne moran dhe ’n teagasg aige mar nach tugadh iad o neach eile. Dheanadh an doigh labhairt agus a chainnt aige drughadh mor air inntinnean an luchd-eisdeachd. Dheanadh e a’ h-uile ni air an labhradh e cho soilleir agus cho so-thuigsinn is gum faodadh an neach a bu laige agus a bu lugha buadhan a leantainn. B’e so aon de na buadhan mora a bhuilicheadh air, air chor is gun robh e na iongantas le moran mar a b’ urrainn da na puincean a bu diomhaire agus a bu duirche a dheanamh cho soilleir. Bhiodh a’ h-uile ni a theireadh e cho comhnard, cho coimhlionta, agus cho cuimseach agus nach bu mhath leinn facal a chall de na labhradh e. Bhiodh e gu tric a’ labhairt ma fhulangasan an Fhir-shaoraidh agus air aonadh nadur a dhaonnachd agus a dhiadhachd. Chuala sinn e ag radh uair no dha air na puincean so, “Tha fiamh orm a bhith a’ dol na ’s fhaide air m’ adhart an so mu ’n caill mi mi fhein. Is ann a tha mi ga m’ fhaighinn fhein mar neach a tha a’ dol a steach ann an ceo mor agus a dh’ fheumas a bhith air fhaicill mu ’n caill e a cheum.” Bha e anabarrach faicilleach ann an laimhseachadh earrainn air bith de ’n Fhirinn. Bhiodh gach facal aige mar air a chothromachadh agus e a’ labhairt le leithid de dhurachd agus gun robh e a’ deanamh drughaidh dhomhain air inntinnean na dream a bha ga ’eisdeachd. An aite a bhith ag ’eirigh suas le aoibhneas agus le sunnd spioraid mar ni feadhainn eile an uair a bhios saorsa aca, is ann a bhiodh esan, an uair a bu mho a shaorsa, a’ dol fodha gu domhain sios le druighteachd agus le irioslachd spioraid, mar neach air a thilgeadh sios anns an duslach fo bhuaidh a theagaisg fhein; agus mar so dh’ fhagadh e am barrachd drughaidh air inntinnean a a luchd-eisdeachd. Bha e mar an ceudna cumhachdach ann an co-chur a theagaisg ri cor agus ri cogaisean an t-sluaigh. An uair a [TD 18] bha e a’ dol mu ’n cuairt am measg sluagh na Gaidhealtachd roimh àm agus an deigh àm an Dealachaidh, ann an aon de na h-eileanan, ghnathaich e a’ chainnt so:—“Tha eagal orm nach ’eil sibh fhathast abuich air son gabhail ris an t-Soisgeul. Is ann a tha mi ga m’ shamhlachadh fhein ri balachan a bhiodh a’ caitheamh chlach ri aodann balla, agus bhiodh na clachan a’ tionndadh air an ais air fhein an deigh am balla a bhualadh. Is ana mar sin a tha mise ga m’ fhaighinn fhein ann a bhith a’ labhairt na firinn ribhse an diugh. Tha mi mar gum bithinn a’ faighinn na firinn a’ bualadh air a h-ais orm fhein an deigh a bhith ga cuimseachadh oirbhse. Chan ’eil sibh fhathast deas no abuich air son gabhail ris an fhirinn ann an gradh chum tearnadh ur n-anma. Bha e a’ searmonachadh la o’n earrainn so:—“Seallaibh riumsa agus bithibh air ur tearnadh, uile iomalla na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan ’eil atharrach ann.” Thuirt e ni-eigin mar so:—“Tha mi a’ creidsinn gun robh taobh an iar Eilean Leodhais aig Spiorad Dhe na shuil an uair a labhair e leis an fhaidh na briathran so, ‘Seallaibh riumsa.’ Nach seall sibh, mo cho-pheacaich, ri Criosd? Tha eagal orm nach mor a tha cuid agaibh os cionn nam bruidean fhein; agus ged a thigeadh an Spiorad Naomh a shaothrachadh oirbh, gu labhairt le h-urram, gum feumadh e barrachd saothair a ghabhail ribh mu ’n tugadh e gu ire dhaoine cumanta sibh. Nach leig sibh le Facal Dhe gnothach a dheanamh ri ur cogaisean, agus deanadh ur cogaisean gnothach ri Facal Dhe. An ann ris na pluic a tha mi a’ labhairt? an ann ris na clachan a tha mi a’ labhairt? Nach ann a tha mi a’ labhairt ri daoine aig a bheil buadhan reusonta—leigibh le Facal Dhe gnothach a dheanamh ri ur reuson agur ur reuson ri Facal Dhe, air neo cha bhi sibh gu brath air ur tearnadh.” Air Di-luain Orduigh ann an Barbhas, an Leodhas, shearmonaich e o’ n earrainn so:—“Eiribh, rachamaid as a so.” “Tha Criosd leis na facail so,” ars’ esan, “a’ gairm air an fheadhainn ris a bheil e an daimh spioradail gu bhith a’ dol air a chomhairle an air adhart gu aiteachan agus dleasnasan a tha air thoiseach orra. (1) An uair a tha anmannan a’ faotainn comuinn mhilis ris ann an urnaigh uaignich tha iad toileach fuireach an sin; ach tha Criosd ag radh riu, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (2) An uair a tha iad a’ leughadh nan Sgriobtur leo fhein, chan iarr iad sgur ga ’n leughadh air amannan; ach tha esan ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (3) An uair a tha iad maille r’ a cheile, coltach riusan a bha a’ dol gu [TD 19] Emmaus, agus esan a’ tighinn na ’n cuideachd, tha an cridhe a’ lasadh an taobh a stigh dhiubh. An uair a tha e a’ fosgladh dhoibh nan Sgriobturan agus e a’ dol maille riu gu biadh, tha e ga ’m fagail agus a’ dol as an t-sealladh—tha e ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (4) An uair a tha iad ag eisdeachd na Firinn air an t-Sabaid agus iad a’ faighinn trath mhaith, mhilis, d’ an anam, is luath leo a sguireas an t-searmoin; tha e ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (5) An uair a tha iad aig a’ choinneamh urnaigh, agus a tha an cridhe a’ faighinn beothachaidh agus biadhaidh, chan iarr iad falbh as a sin; tha esan ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (6) An uair a tha iad aig Orduighean an t-Soisgeil mar so, agus a tha an anmannan a’ sealbhachadh a lathaireachd aig a’ bhord, chan iarr iad eirigh o ’n bhord; tha esan ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (7) An uair a tha iad a’ faotainn moran de bheatha agus de cho-chomunn ri Dia agus r’ a phobull, tha iad toileach fuireach ann an sud; ach tha esan ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (8) An uair a tha iad ri meorachadh neamhaidh agus a bu mhath leo sud a leantainn, tha esan ag radh, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ (9) Tha e ga ’n gairm gu dleasnasan na ’n gairmean saoghalta, agus gu dleasnasan na sheirbhis fhein. Agus tha e ’g ur gairm an diugh, an deigh a bhith na coig laithean air Beinn an Orduigh an so, gu ur n-aghaidh a chur air an t-saoghal anns gach aite agus anns gach suidheachadh anns a bheil sibh; agus tha e ag radh mar sin, ‘Eiribh, rachamaid as a so.’ Na ’m fagadh Dia iad anns a’ chor shocrach, sholasach, a tha aca air uairibh, ghrodadh iad ann. Ach tha e a’ faicinn feumail a bhith ga ’m falmhachadh o shoitheach gu soitheach.” Ann an Uige, an Leodhas, air Di-luain Orduigh, ghabh e an earrainn so:—“Rinn Solamh, an Righ, leaba-phosaidh dha fhein, de chrannaibh Lebanoin. A puist dhealbh e de dh’ airgiod, a h-iochdar de dh’ or, a comhdach de chorcur; bha a meadhon air oibreachadh le samhlaibh graidh le nigheanan Ierusaleim.” Thuirt e, “Faodaidh sinn a’ cheud chuid de ’n earrainn a chur mar so:—‘Rinn Criosd, an Righ, cra-leaba dha fhein’ agus mar sin air adhart. Anns a’ chra-leaba so tha Criosd, na imeachd leatha anns an t-saoghal so gu Gloir, a’ gabhail a steach a’ h-uile creutair lag-chuiseach, agus uireasbhach a tha aige fhein air an talamh. Is e an Spiorad Naomh, gu labhairt le h-urram, an carbadair no an driver a tha aig Criosd air a’ chra-leaba. An uair a chi Criosd air an t-slighe [TD 20] (1) neach a tha ag imeachd le cridhe bronach, their e ris an Spiorad Naomh, ‘Stad, Fhir-iuil bheannaichte; tha neach an so a dh’ fheumas a thogail a steach; tha e a’ bron air son a chruas-cridhe.’ (2) Ag imeachd air adhart, tha e ’faicinn neach eile a’ caoidh air son a dhorchadais, agus tha Criosd ag radh, ‘Stad, agus gun togar a stigh e.’ (3) A’ dol air adhart tha e ’faicinn neach eile air a thilgeadh sios le mi-mhisneach nach ’eil e de ’n chloinn. Tha Criosd ag aithne gun togteadh a stigh e. (4) Ag imeachd air adhart tha e a’ faicinn neach a’ gearan cho beag ’s a tha de ghradh aige do Chriosd, ma tha gradh idir ann. Tha Criosd ag aithne, ‘Togamaid a steach e.’ (5) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile air a bhuaireadh nach d’ fhuair e riamh eolas slainteil air Criosd. Tha Criosd ag iarraidh stad agus gun togar a stigh e. (6) Tha e ’dol air adhart agus a’ faicinn neach eile a’ caoidh olcas a chridhe. Tha Criosd ag aithne a thoirt a steach. (7) Ag imeachd air adhart tha e ’faicinn neach eile air a sharachadh le as-creideamh. Tha e ag aithne stad agus a thoirt a stigh. (8) Ag imeachd air adhart tha e ’faicinn neach eile a tha a’ caoidh gu goirt ‘Threig an Tighearna mi, is rinn e mo dhi-chuimhneachadh.’ Tha Criosd ag aithne stad agus gun togar a steach e. (9) Ag imeachd air adhart tha e ’faicinn neach eile a’ gearan ‘Mo chaoile, mo chaoile!’ Tha Criosd ag radh ‘Stad, agus gun togar a stigh e.’ (10) A’ dol air adhart tha e ’faicinn neach eile a’ caoidh a chul-sleamhnachaidh. Tha Criosd ag aithne, ‘Stad agus gabhamaid a steach e.’ (11) A’ dol air adhart tha e ’faicinn neach eile a’ fas sgith de ’n t-saoghal agus an saoghal a’ fas sgith dheth. Tha Criosd ag radh, ‘Stad agus gun tog sinn a steach e.’ (12) A’ dol air adhart tha e ’faicinn neach eile a’ caoidh cho mi-naomh ’s a tha e. Tha Criosd ag radh, ‘Stad, tha e feumach air a thogail a steach. (13) A’ dol air adhart tha e ’faicinn neach eile air chrith le eagal nach faigh e gu brath do neamh. Tha Criosd ag aithne, ‘Stad agus gum faigh e togail a stigh.’” Cha robh cor feumach anns an robh neach air bith nach d’ ainmich e, is e mo bharail. An uair a bha sinn a’ tighinn dachaidh o ’n Ordugh, thachair gun robh anns a’ bhata leinn an Criosdaidh oirdhearc sin, Coinneach Ros, ceistear, a bha an Carlobhagh. Thuirt e mar so.—“Is e m’ fhior bheachd fhein nach robh neach an diugh a bha ag ’eisdeachd na searmoin iongantaich, luachmhoir ud, anns an robh ni de shrad bheo o Dhia, nach d’ thug Mr Iain Mor togail anma dha, fo laimh Chriosd, mar gum b’ ann a [TD 21] steach do ’n chra-leaba aig Criosd. Faodaidh sinn a nis na cinn a thug Mr Iain a mach o ’n earrainn ud a chur sios an so gu goirid— I. AN CARBAD, NO A’ CHRA-LEABA—Cumhnant nan Gras. II. AN TOIRT DO ’N CHARBAD—Obair an Spioraid Naoimh ann an anmannan pobull Chriosd. III. BUADHAN A’ CHARBAID AGUS A FHREAGARRACHD—1. Fear-deanaimh a’ Charbaid—Righ Solamh, a’ ciallachadh gu spioradail Righ Criosd. 2. Stubh a’ Charbaid—Fiodh Lebanoin—Mairionnachd. 3. Puist airgid—Geallaidhean a’ Chumhnaint—(l) Maise, (2) Oirdhearcas, (3) Cinnteachd no Seasmhachd, and (4) Luachmhorachd. 4. Iochdar a’ Charbaid—Or—luach, bunailteachd, buan sheasmhachd. 5. Meadhon a’ Charbaid—Gradh. 6. Comhdach a’ Charbaid—Corcur—Fulangasan Chriosd. Air dha a bhith a’ tilleadh o Ordugh anns an Tairbeart Hearrach, air Di Mairt, an 7 la de Mhios November, 1859, shearmonaich e aig Atha-linne anns an achadh fhosgailte o ’n fhirinn, “Is iad iobairtean Dhe spiorad briste; air cridhe briste agus bruite, a Dhe, cha dean thusa tair.” “Dh’ ordaich Dia,” ars esan, “iobairtean tharbh, agus ghabhar, agus chaorach agus uan, agus chalaman, agus mar sin, air son chriochan araidh re tamuil—(1) Gu bhith a’ cumail an t-sluaigh an cuimhne air peacadh; (2) gu bhith a’ riochdachadh Chriosd, a chaidh an sas a chum iobairt-reite a thoirt suas do Dhia; (3) gu bhith a’ teagasg an t-sluaigh an suil ri Criosd an lanachd na h-aimsire. Chaill a’ chuid mhor dhe ’n t-sluagh sealladh air na criochan so gu h-iomlan, agus stad iad aig na h-orduighean feolmhor, mar nach biodh na b’ fhearr gu leantainn. Chlaon iad mar so gu foirmealachd, ceilg, uabhar, agus miorun, air chor agus na’m faigheadh neach air bith coire dhoibh bhiodh e cinnteach coinneachadh ris a’ chàramh a bu mhiosa aig an lamhan. Dh’ fhairich Stephen, Paul, agus na h-uile a lean an cursa ceudna an spiorad so na’m fein-fhiosrachadh bronach. Cha deachaidh Criosd fhein as o mhiorun, oir thuirt iad ‘Ceusaibh e, ceusaibh e,’ agus cheus iad e. Bha beagan dhaoine ann fad na slighe d’ am b’ aithne inntinn Dhe air a’ chuis so. Bhreithnich iad nach robh tlachd no taitneas air bith aig Dia ann am bas ainmhidhean a mhain, agus dh’ amhairc iad air an adhart gu teachd Aon a b’ e gu brioghmhor Uan De, agus bhreithnich iad staid inntinn agus faireachdainn de ’n do ghabh Dia tlachd. [TD 22] D’ a reir sin, air do Dhaibhidh dol troimh chursa de dh’ amhghar domhain do bhrigh peacaidh, bha e air a theagasg gu fhaicinn nach robh ach aon rathad ann air son maitheadh peacaidh, an ni a dh’ aobharaich spiorad briste, a dh’ irioslaich an duine uaibhreach agus a reitich e ri rathad gras Ard-uachdaranail. Uime sin tha e ag radh, ‘Is iad iobairtean Dhe cridhe briste.’ Tha na briathran so a’ toirt a mach gu glan nan daimhean a tha eadar Dia nèimhe agus fior chreidmhich air an talamh. Feuchamaid an toiseach ri bhith a’ mineachadh ciall na cainnt, ‘An spiorad briste;’ anns an darna h-aite, nochdamaid gu bheil Dia a tha a’ diultadh uile iobairtean de dhealbhadh dhaoine, a’ gabhail ri so; agus anns an treas aite, tairgeamaid cuid de dh’ aobharan an teagaisg so.” Ann an labhairt air a’ chridhe bhriste’ thuirt e, “A reir an Sgriobtuir, is ann o shealladh air Criosd agus esan air a cheusadh air son peacaidh, a tha an cridhe briste air fhaotainn; tha an t-anam troimh chreideamh, agus o bhuaidh a’ chroinn-cheusaidh a’ faicinn fuath Dhe do ’n pheacadh agus gradh Dhe do ’n pheacach, an uair nach do chaomhain e Mac a ghraidh, an uair nach deanadh ni no neach eile a’ chuis; thug e thairis Mac siorruidh a ghraidh gu bhith air a bhruthadh agus air a bhristeadh gu bas an aite na feadhnach a thoill a bhith a’ fulang gu siorruidh air son am peacaidhnean. Chaidh a bhristeadh agus a bhruthadh,” ars’ esan “eadar a’ chlach-mhuilinn uachdaraich agus a’ chlach-mhuilinn iochdraich, no eadar ceartas do-lubadh Iehobha agus gradh naomh, neo-chaochlaideach, siorruidh, Dhe; an gradh naomh, siorruidh, ga chumail suas ris na buillean, agus ceartas ga bhruthadh agus ga bhristeadh gu bas, gus an robh ceartas lan riaraichte. ‘An sin dh’ eigh Criosd, Tha e criochnaichte, agus thug e suas an deo.’” Cha robh ach gann duine de na chuala an t-searmoin ud nach robh a bheag no mhor de dhruigheadh orra o’n leth a mach co dhiubh. B’ i searmoin anns am bu mho bha de theagasg fulangasan an Fhir-shaoraidh, agus de dh’ aithreachas anns a’ chridhe bhriste agus an spiorad bhruite, agus a’ bhuaidh a bha aige air an anam a’ faotainn sealladh a’ chreidimh air Criosd mar an t-Urras, a chuala sinn riamh. Bha sinn ’g ar faotainn fhein fo leithid de chomain do Dhia, tha sinn an duil, is gum biomaid toilichte coiseachd dachaidh air ar gluinean, mu astar da fhichead mile gu taobh an iar Leodhais. Bu shearmoin i tha sinn a’ creidsinn de’n robh gloir aig Dia agus math aig anmannan air son tim agus siorruidheachd—searmoin, tha sinn a rithist ag aithris, a bha [TD 23] lan de theagasg fulangasan Chriosd agus bristeadh a’ chridhe troimh bhith ag amharc air mar Chriosd air a cheusadh agus air a lot air son peacaidhnean a shluaigh—searmoin lan de theagaisg an aithreachais shlainteil. Bheireamaid a’ h-uile searmoin a chuala is a leugh sinn riamh seachad air son an te so a bhith againn mar bha i air a labhairt leis an teachdaire ainmeil e fhein. Ann a bhith, aig aon àm a’ labhairt o na briathran, “Is ni eagalach tuiteam ann an lamhan an De bheo,” thuirt e, “Chan ’eil fios agam an deanainn na b’ fhearr an diugh na bhith ag ainmeachadh thairis is thairis nam briathran so ’n ur n-eisdeachd, le suil gum biodh Dia ga’ n seuladh air ur cogaisean.” Ann an co-chur thuirt e, “O mo cho-pheacaich an Sgire nan Loch, tha moran agaibh a’ dol a dh’ ifrinn cho luath agus is urrainn duibh. Nach dean sibh faighidinn? Bidh sibh luath gu leoir an iutharn. Tha moran de ur sinnsre air dol do iutharn roimhibh. De a their iad ribhse an uair a chi iad sibh a’ dol na ’n cuideachd ann? Their iad, ‘Ciod a chuir sibhse an so? Ged a thainig sibh ann nach cuala sibhse an Soisgeul mar nach cuala moran againne e?’ Feumaidh sibhse, mo thruaigh, aideachadh gun cuala sibh an Soisgeul. Chuala sibh Mr Mac-Leoid; chuala sibh Mr Fionnlason; chuala sibh ministearan soisgeulach eile. Ciod a their Sodomach ri fear a mhuinntir nan Loch, a chi e na ’s isle ann an iutharn? ‘De a chuir thusa,’ their e, ‘ann an sin? Feumaidh gun d’fhuair thu sochairean nach d’fhuair mise.’ ‘Fhuair,’ their am fear as na Lochan, ‘mise cothrom mor fo ’n t-Soisgeul.’ ‘O,’ their an Sodomach, ‘tha thu airidh air a bhith na ’s isle na mise ann an iutharna na truaighe so. Cha d’ fhuair mise an t-sochair sin a bha agadsa air an talamh.’ Bidh e na ’s so iomchar do mhuinntir Shodoim agus Ghomorrah anns an la ud na dhuibhse a fhuair sochair mhor an t-Soisgeil. Tha mi ag innseadh dhuibh, a mhuinntir Sgire nan Loch, mar is mo a theid agaibh de iutharn is ann is teotha a bhios e dhuibh.” “Cionnus,” arsa sinne ’n ar n-inntinn, “a tha thu ag radh sin? Cionnus a bhios sin?” “Tha neach ga m’ eisdeachd ag radh,” arsa esan, “‘Cionnus a bhios sin, gum bi iutharn na ’s teotha?’ Bheir mi samhladh dhuit an toiseach agus Sgriobtur a rithist. Seall, an uair a tha teine mor ann an rum, agus e lan dhaoine, cuirteadh tuilleadh fhoidean air an teine, agus mar is mo a theid air is ann is teotha a dh’ fhasas an rum, air chor agus nach urrainn do dhaoine fuireach ann fa-dheireadh le meud an teas. Tha thu ag iarraidh fhathast Sgriobtuir, o nach dean samhladh a’ [TD 24] chuis duit.” Agus bha sinn gu cinnteach ag radh sud ’n ar n-inntinn. An sin thuirt e, “Faic agus leugh de an t-iarrtas a rinn an duine saibhir air Abraham air son gun cuireadh e Lasarus gu tigh ’athar?—‘Oir tha coignear bhraithrean agam, chum gun toir e fianuis dhoibh air eagal gun tig iadsan mar an ceudna do ’n ionad ro phiantach so.’” Bu leoir an fhirinn so a’ chum a’ phuinc a dhearbhadh. Ach is ann air Latha Sabaid Comanachaidh, is e ar beachd, a bhiodh e gu ro araidh fo ghleus agus fo bhuaidh an druchd, agus an teagasg aige “a’ sileadh mar an t-uisge,” a chainnt “a’ tuiteam mar an druchd” air na h-anmannan acrach, feumach, tioram, tartmhor, agus “mar mhìn uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur.” Chuala sinn e aig ceann bord comanachaidh ann am Barbhas, an Leodhas, ann an September na bliadhna 1861. Thuirt e mar so:—“Anaim, tha mi dol a dh’ ainmeachadh ceithir nithean ann an so an drasta, agus ma tha iad agad, gabhaidh mi orm a radh gun toir iad do Ghloir thu. A’ chiad ni a dh’ ainmicheas mi, is e so e, Gun robh thusa air do dheanamh comasach aon la no la eile air a radh ann an tomhas, co dhiubh, mar tha an Eaglais anns an Dan ag radh, ‘Is leamsa mo ghradh agus is leis-san mise.’ Thug Criosd, bha thu a’ meas, e fhein duitse mar chuspair graidh d’ anma, agus dh’ fhairich thusa thu fhein mar gum biodh tu gu h-iomlan air do chosnadh le a ghradh gus thu fhein, araon d’ anam agus do chorp, a thoirt dhasan agus a bhith air a shonsan a mhain; mar gun abradh tu, ‘Is le fear-mo-ghraidh mise agus is leamsa fear-mo-ghraidh; is leamsa Criosd agus is le Criosd mise; fhuair mise Criosd an uair a fhuair esan mise; is e na h-uile anns na h-uile dhomh.’ Ma bha thusa comasach air so a radh ann an tomhas sam bith, is e an ath ni a dh’ fheumas leantainn uaith, agus a dh’ ainmicheas mi, Gun d’ fhairich thusa gradh Chriosd ga d’ cho-eigneachadh, gu dian, iarrtanach, a’ miannachadh ni-eigin a radh no a dheanamh air son Chriosd ann an rathad sam bith a b urrainn duit; mar a’ bhean o Shamaria a choinnich Criosd aig an tobar, agus a chaidh dhachaidh a’ fagail an t-soithich uisge na deigh, agus a thuirt ri muinntir an aite, ‘Thigibh, faicibh duine a dh’ innis dhomhsa na h-uile nithe a rinn mi riamh,’ agus a’ cur ris, ‘Nach e so Criosd?’ Tha a’ chiad da ni, tha mi ag aideachadh, gun teagamh mor, ach an treas ni a tha mi a’ dol a dh’ ainmeachadh tha e, tha fios agam, na ’s usa dhuitse, anaim bhochd, a ghabhail, agus [TD 25] is e sin an ni a tha an Salmaidh ag radh, ‘Mar thogras am fiadh a chum nan sruth uisge, mar sin tha m’ anam a’ togairt ad ionnsaidh-sa, a Dhe; seadh, tha tart air m’ anam chum Dhe, chum an De bheo.’ Tha d’ anamsa an diugh a’ cur feum cho mor no na ’s mo na rinn e riamh ad fhein-fhaireachdainn air a bhith ag aithneachadh Dhe mar do Dhia beo fhein, air son a bheil d’ anam tartmhor an geall a ghnath. Is e an ceathramh ni a bha mi air son aimmeachadh, An uair a tha agadsa, anaim bhochd, dleasnasan ri ’n coimhlionadh, duilgheadasan ri ’n coinneachadh, uireasbhuidhean ri ’n riarachadh, buairidhean ri buaidh fhaighinn thairis orra, peacaidhnean ri ’m marbhadh, agus tha thu gu smaoineachail a’ feoraich, ‘Cionnas a ni mi a’ chuis ri so uile, agus ciod e an t-ullachadh a tha air a dheanamh air son nan nithe so uile?’—tha direach an ni a ghealladh do Phaul agus a choinnich gu h-iomlan a chor-san an uair a ghuidh e air an Tighearna gum faigheadh e saor o ’thrioblaid, ‘Is leoir mo ghras air do shon, oir tha mo neart air a dheanamh foirfe ann ad anmhuinneachd.’ Tha an gras so foghainteach air son do dheanamh comasach air gach dleasnas a choimhlionadh. Tha an gras so foghainteach air son do thoirt troimh gach duilgheadas. Tha an gras so foghainteach gu bhith a’ leasachadh uile uireasbhuidhean d’ anma. Tha an gras so foghainteach gu do dheanamh comasach air faotainn thairis air uile bhuairidhean Shatain. Tha an gras so foghainteach air gach peacadh a tha a’ cur dragh ort a chlaoidh agus a chaitheamh gu buileach annad, agus do thoirt fa-dheoidh gu sabhailt a steach gu caladh na Gloire.” Air la araidh, anns an teagasg, thuirt e mar a leanas:—“Tha mi a’ samhlachadh a’ Chriosdaidh a tha a’ fas sgith de’n t-saoghal agus an saoghal a’ fas sgith dheth, ri fear-aiteachaidh a thigeadh as a’ ghrein. Abair gu bheil luchd-aiteachaidh anns a’ ghrein agus gun tigeadh fear de luchd-aiteachaidh na greine a dh’ ionnsaidh tir no eilean fuar, fuaraidh, fliuch, iomallach, Leodhais. Bhiodh e a’ dol mu’n cuairt o aite gu aite anns an eilean, agus is e an aona ghlaodh agus ghearan a bhiodh aige, ‘O am fuachd, am fuachd a tha agaibh anns an tir so; mur ’eil aite eile na ’s blaithe agaibh anns an eilean so, leigibh air falbh mi do thir bhlath na greine as an d’ thainig mi, air neo cha bhi mi, chan urrainn domh a bhith, fada beo anns an tir fhuair so.’” Aon uair air dha a bhith a’ labhairt agus a’ cuireadh luchd-comanachaidh a thighinn air an adhart gu bord an Tighearna, thuirt e, “Anaim, thig air d’ adhart ged a b’ ann air do mhagan no [TD 26] air do spogan a thigeadh tu. Agus tha fios agam, anaim chritheinich, na ’m biodh rathad fo ’n talamh agad air an tigeadh tu, gun gabhadh tu an rathad sin chum ’s nach faicteadh thu a’ tighinn air d’ adhart thun a’ bhuird naoimh. Thig, tha mi ag radh riut a rithist, ged bhiodh tu a’ smagail mar sheilcheig fhann, mhall; ach chan fhaod thu bhith, coltach ris an t-seilcheig, a’ fagail ronn salach na d’ dheigh no le mi-bheus no mi-fhaicill ann ad ghluasad anns an t-saoghal. Agus ged nach urrainn duit tighinn a’ ruith ann an slighe aitheantan an Tighearna, a reir fhacail agus mar bu mhiann leat, gidheadh oidhirpich tighinn ag imeachd beag no mor a reir aitheantan mar is comasach dhuit, an taice ri gras agus ri Spiorad Dhe. Oir dh’ fhag e againn an aithne dheireannach agus ghradhach so, gu umhlachd a thoirt dhi, ‘Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa.’” Aig àm eile, am feadh a bha luchd-comanachaidh a’ deanamh dail ann an tighinn air an adhart gu bord an Tighearna, aig comanachadh ann an Sniosart, far an robh e a’ cuideachadh Mhr Ruairidh Mac-Leoid, agus an deigh do Mhr Ruairidh eirigh da uair g’an cuireadh gu tighinn air an adhart thun a’ bhuirt (oir bha searmoin gheur agus chudromach an la ud air a toirt dhoibh le Mr Ruairidh, ni a dh’ fhag iad rag, mall, gu bhith a’ tighinn air an adhart), dh’ eirich Mr Mac-Rath agus thuirt e, “Tha mi duilich, a chairdean, an deigh do m’ bhrathair ur cuireadh da uair mar tha gu bheil sibh a’ deanamh dail ann an tighinn thun a’ bhuird. Ach, anaim, is ann tha thusa, is docha, an diugh aig mod, agus tha triuir an sin ga d’ dhiteadh, agus a’ cur ad aghaidh gu bhith ga d’ mhi-mhisneachadh a thighinn air d’ adhart gu bord an Tighearna. An toiseach tha Satan, fear-casaid nam braithrean, ann an sin a’ cur fa d’ chomhair do neo-airidheachd, le run do ghealtachadh o thighinn a dh’ ionnsaidh a’ bhuird. An darna fianuis a tha an sin is e an saoghal, a tha ag radh so is sud na d’aghaidh, agus nach bu choir dhuit, agus gum bu dana dhuit dol thun a’ bhuird. An treas fianuis is e do chogais fhein, a tha ga d’ dhiteadh gu geur ann am moran nithean anns a bheil thu coireach agus cearr. Tha an triuir so le cheile a’ cordadh ann a bhith ga d’ choireachadh agus ga d’ chumail air d’ ais o bhord an Tighearna. Ach innseam dhuit, anaim sharaichte, gu bheil caraid agad anns a’ chuirt a tha na ’s treise na iad sin uile, agus a tha a’ tagradh air do shon an aghaidh do luchd-casaid uile. ‘Agus ma pheacaicheas neach air bith tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair,’ Iosa Criosd, [TD 27] am firean.’ Ris-san tha an t-Athair ag ’eisdeachd an comhnuidh; mar an ceudna tha an Spiorad fhein a deanamh comhnaidh le ur na-anmhuinneachd agus a’ deanamh eadar-ghuidhe air ur son le osnaibh do-labhairt. Tha mise ag innseadh dhuit, anaim bhochd, gu bheil triuir a tha air do thaobh agus a bhios toileach gun tig thu air d’ adhart gu bord an Tighearna—an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh—agus theirinn gum bithinn fhein toilichte le do thighinn a dh’ ionnsaidh a’ bhuird, cinnteach gum bi do theachd buannachdail dhuit; ged nach biodh ach an uiread so ga d’ chur thuige, na laighe air do spiorad, ‘Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa.’ Sibhse a chuir an Dia nan gras ur dochas mar is coir, biobh misneachail agus cuiridh e neart ann ur cridhe agus treoir.” Dh’ innis eildeir a bha a lathair dhomh gun cuala e Mr Mac-Rath a’ labhairt agus nach fhac e riamh a leithid de bhuaidh air luchd-comanachaidh agus a lean an co-chur cainnt a ghnathaich e aig an àm ud. Dh’ eirich e fhein agus feadhainn eile mar gun tigeadh anail no gaoth bhlath neartachail, no coltach ri anail bheannaichte Spiorad Dhe, am measg a’ choimhthionail; chuir e thuige agus neartaich e sluagh Dhe agus lion iad am bord gu h-aithghearr. Air dha a bhith a’ cuireadh luchd-comanachaidh gu bord an Tighearna ann a Steornabhagh, thuirt e, “Anaim, de a tha ga d’ chumail cho mall ann an tighinn air d’ adhart a chum a’ bhuird? An e do dhuais ris a bheil suil agad? Is coir dhuitse tighinn agus do dhleasnas a dheanamh an toiseach, agus a rithist faodaidh tu a’ bhith a’ tagradh, no ag agradh, do dhuais.” An deigh do ’n bhord a bhith air a lionadh thuirt e, “Chan ’eil neach an so ach neach aig a bheil creideamh agus tha mi a’ saoilsinn gu bheil mi a’ cluinntinn neach ag radh ma tha sin fior chan ’eil creideamh agamsa, oir tha e air chall orm. Mur h-’eil, innsidh mise dhuit, anaim, ciod a th’ agad, tha dochas agad, agus tha mi ga d’ shamhlachadh ri duine dall a’ dol o dhorus gu dorus ag iarraidh deirc, agus balachan ga threorachadh, mar a b’ abhaist dhomhsa fhaicinn anns na bailtean-mora an uair a bha mi am dhuine og. Mar sin tha do dhochas ga d’ threorachadh o dhorus gu dorus, no o mheadhon gu mheadhon, ag iarraidh deirc aig dorus Chriosd, agus bheir e dhuit gu cinnnteachd na tha e a’ faicinn thusa a’ cur feum air.” Aig an àm cheudna an uair a bha e a’ labhairt mu ’n riarachadh a fhuair buadhan na Diadhachd ann am bas Chriosd, “Cha robh buaidh an Dia,” ars’ esan, “a bu treise na an gradh, oir thug an gradh buaidh air Dia fein. Bha an lagh ag iarraidh [TD 28] umhlachd iomlain o Chriosd. Chuir an lagh air a ghluinean e tri uairean ann an garadh Ghetsemane. Tha mi a’ smaoineachadh gun canadh Criosd, ‘An dean sud a’ chuis?’ agus gun abradh an lagh, ‘Cha dean; is e so na riaraicheas mi, Mo mhallach ort, mo mhallachd ort; marbhaidh mi thu, marbhaidh mi thu.’” Aig aon àm agus e a’ searmonachadh o ’n earrainn so, “Cha teid do ghrian tuilleadh sios agus cha mho a dhorchaichear do ghealach,” agus an ath rann, “Bidh do shluagh uile na ’m fireana,” “C’arson,” ars’ esan, “a chuir e an fhirinn ud as deigh a leithid de ghealladh mor? Tha mise a’ saoilsinn gur ann a chum nach cuireadh cealgair a lamh, no nach gabhadh e air fhein lamh a chur air a leithid sud de ghealladh.” Aig àm eile thuirt e, “Tha anam bochd an so ag radh, ‘Tha eallach trom ormsa.’ Chan eil curam orm ciod e cho trom ’s a tha d’ eallach, ged bhiodh e cho trom ri cliabh innearach a chaidh riamh air do dhruim; oir mur is truime an sac a tha air an asail is an is diriche a shiubhlas i air an t-slighe.” Ann an labhairt o’n earrainn, “Tha sibh a nis re uine bhig (ma ’s feumail e) fo thuirse tre iomadh buaireadh,” thuirt e, “An toiseach tha iad fo thuirse do bhrigh an t-seallaidh dhuirche agus mhi-mhisneachail a tha aca air freasdal Dhe d’ an taobh na’n suidheachainnean bochd agus deuchainneach, agus iad ag radh, na ’m biodh curam aig Dia dhiubh mar a chlann fhein nach fagadh e iad anns an t-suidheachadh eigneach. A rithist, tha cor iosal an anma bhochd ag aobharachadh dhoibh a bhith fo thuirse; agus tha an da ni so, cuisean dorcha ’s an fhreasdal agus cor iosal an anma, agam ga shamhlachadh ri bru thorraich, ag aobharachadh gu tric isleachd spioraid agus maillead imeachd am feadh a tha iad anns an staid sin. An treas ni, tha iad fo thuirse air son staid iosal aobhar na firinn anns an tir, agus tha iad ag urnaigh gu tric, ‘O Dhe, tagair do chuis fhein. Is mithich dhuit gniomh a thaisbeanadh. An ceathramh ni air son a bheil iad fo thuirse, an uair a tha eu-ceart a’ faighinn buaidh orra agus a buadhachadh na’n aghaidh. Ach tha a’ tachairt dhoibh mar a tha e air a radh mu Ghad, ‘Bheir buidheann buaidh air Gad ach bheir esan buaidh mu dheireadh.’ An coigeamh ni air son a bheil iad fo thuirse is e cuid de ’n luchd-daimh is dluithe orra ’s an fheoil a bhith gun churam mu aobhar Dhe, agus gun choir, gun chreideamh, aig an anam ann an Criosd. Tha so a’ toirt doilghis mhoir dhoibh [TD 29] agus a’ cur smalain mhoir orra, agus iad a’ guidhe, mar rinn an t-abstol, ‘Is e durachd mo chridhe agus m’ urnaigh ri Dia gum biodh iad air an tearnadh.’ Is urrainn domh a smuaineachadh gum faod ainglean na gloire a bhith a’ gabhail iongantais aig amannan ri buntainnean Dhe r’a phobull anns an t-saoghal so, agus mar gum biodh iad a’ cur na ceiste ri Dia, an Cruithear, a tha ga’n cur a mach gu bhith na’n luchd-frithealaidh dhoibhsan a tha gu bhith na ’n oighreachan air slainte—‘Chan aithne dhuinn ciod an t-aobhar air son a bheil thu a’ fagail moran de d’ shluagh fhein na leithid sud de chor bochd anns an t-saoghal, an uair a tha moran eile nach ’eil na’n sluagh dhuit a tha cho fabhorach na ’n suidheachaidhnean.’ ‘O,’ deir Dia, ‘m’ aingle, faodaidh e bhith gu bheil iongantas oirbhse ris an t-suidheachadh sin agamsa, ach innseam dhuibh gur e sud ann an cursa Freasdail an doigh is fhearr agus is feumala a chunnaic mise air son mo shluagh a bhith air am fagail anns an t-saoghal so a chum an cridheachan a thogail os cionn nitheannan an t-saoghail agus an socrachadh air na nitheannan a tha shuas, air chor agus gun amhairc iad air an t-saoghal na ’s lugha agus na ’s neo-nithiche dhoibh, agus gun smuainich iad na ’s mo agus na ’s mo mu ’n t-saoghal eile, no mu neamh, agus mu ’n t-sonas shiorruidh a bhios ann. Eisdibh, mo bhraithrean gradhach; nach do thagh Dia bochdan an t-saoghail so, saibhir ann an creideamh agus na ’n oighreachan air an rioghachd a gheall Dia dhoibhsan a ghradhaich e. Tha feum aca air ceithir nitheannan air an turas gu neamh: an ciad ni, tha feum aca air fuil Chriosd o la gu la; agus theirinn gur e an Crioshaidh is mo an t-aon is trice a bhios a’ tighinn gu fuil Chriosd air son glanaidh. Ged nach biodh cionta peacaidh sam bith air cogais neach gu tighinn gu fuil Chriosd, ach gum faigheadh aon smuain peacach a dh’ ionnsaidh anam an fhior Chriosdaidh, tha sin gu leoir air son a chur gu fuil Chriosd air son gum faigh e sal an aon smuain sin air falbh o’ chogais troimh ghlanadh na fala. Tha feum aca a rithist air Spiorad Chriosd g’ an comhnadh anns gach dleasnas. Chan urrainn doibh ni a dheanamh as eugmhais-san, ach is urrainn doibh na h-uile nithe a dheanamh troimh Chriosd no le Spiorad Chriosd ga ’n neartachadh. Tha feum aca, mar an treas ni, air gras Dhe. Bu mhath leo a bhith a’ cur an laimhe ri ni-eigin a bhuineas do dh’ aobhar Dhe, ach tha iad gu tric cho lapach agus nach urrainn doibh an ni a bu mhath leo a dheanamh. Cha bhi aca air uairibh ach lamh chrion, sheargta, an [TD 30] as-creidimh a shineach a mach a’ glaodhaich ‘Gras, gras, gras,’ doibh fhein, an uair nach urrainn doibh an corr a dheanamh. Anns a’ cheathramh aite, tha iad a’ cur feum air Facal Dhe gu bhith na lochran d’ an cois agus na sholus d’ an ceum. Cha ghabh iad orra fhein dol air an adhart ann an ni sam bith a dh’ easbhuidh Facal Dhe a bhith aca mar sholus agus mar lochran. Tha iad a’ gabhail Facal Dhe an comhnuidh mar an aon chairt-iuil g’an treorachadh anns a’ cheum cheart, agus a’ dearbhadh an uile bhriathran, smuaintean, agus dheanadais, cho math ri cor an anma leis an t-slait-thomhais fhior, chinntich, slat-thomhais firinn neo-mhearachdach Dhe agus a mhaireas gu siorruidh. Is urrainn domh a smuaineachadh mar bha comhairle na sith eadar an t-Athair agus am Mac o’n t-siorruidheachd air son slainte an t-sliochd chaillte. Bha Dia an t-Athair air a ghluasad na ghradh neo-chriochnach agus na ghliocas neo-mhearachdach do ’n t-sliochd mhillte agus chaillte, clann nan daoin’, mar a chunnacas leis iad roimh laimh na ’eolas uil’-fhiosrach. An sin thainig buaidh a Cheartais air adhart agus i a’ tagar cionnus a b’urrainn do throcair a bhith air a nochdadh do na creutairean peacach ud mur biodh e aig costas ceartais, no mur biodh, agus gus am biodh uile agartais an lagh agus ceartas gu h-iomlan riaraichte. Agus sheas mar an ceudna Naomhachd suas, a’ reusonachadh gu dian, durachdach, cionnus a bhiodh gloine a naduir air a cumail suas, gun sal, gun smal, na ’m biodh fabhar air a shineadh d’ an leithid de chreutairean neo-airidh. An sin thainig Gliocas Dhe air adhart, agus thuirt e, ‘O, mo Cheartas agus mo Naomhachd, tha mi a’ lan chordadh ribh anns a’ h-uile ni a tha sibh a’ labhairt gu firinneach, agus air son an dearbh aobhair sin tha mo ghliocas neo-mhearachdach air faotainn a mach rathaid leis am bi m’ uile bhuadhan gu brath air an lan shasachadh agus gu mor air an ardachadh an uair a bhios trocair air a nochdadh do na cuspairean truagh ud. An sin dh’ ainmich agus chomharraich Gliocas a mach Criosd an darna pearsa de ’n Diadhachd mar an aon chuspair freagarach agus foghainteach gu bhith a’ gabhail os laimh agus ag oibreachadh a mach an saorsa ann a bhith a gabhail thuige fhein an naduir, ach saor o pheacadh, agus mar so a’ fulang air an son a’ pheanais a thoill iadsan air son am peacaidh. Dh’ eirich Gradh Dhe cuideachd, agus thuirt e, ‘O mo Mhac siorruidh, a bha riamh ionmhuinn leam, a bheil thusa toileach a bhith air do dheanamh mar aon diubhsan, agus gu [TD 31] bhith a’ deanamh agus a’ fulang a’ h-uile ni a tha air iarraidh air an son agus na ’n aite, a chum agus gun sruth mo throcair a mach d’ an ionnsaidh agus gun teasairgear iad o dhol sios do ’n t-slochd? Ris a so chuir Criosd lan aonta agus cordadh gu cridheil, ag radh, ‘Do thoil-sa a dheanamh, O mo Dhia, is e mo thlachd, seadh tha do lagh ro naomh an taobh a stigh de m’ chridhe.’” No mar thuirt Mr Mac-Rath uair eile, “‘An teid thusa, a Mhic shiorruidh mo ghraidh, ann an nadur na daonnachd gus an saoghal, agus am fuiling thu na thoill an taghadh bith-bhuan de dh’ fhulangais gu siorruidh ann a bhith a’ dortadh a mach d’ anma gu bas air an son agus an sin gun snamh mo throcair a null air cuan d’ fhulangais a dh’ ionnsaidh nam peacach?’” “Na deanaibh, mo cho-pheacaich,” ars’ esan, uair eile, “mi-fheum de throcair Dhe; na deanaibh trocair Dhe na ni cumanta, le sibh a bhith an duil, no ag radh ‘O, tha trocair Dhe mor, agus cha leig e leinn a bhith air ar call gu siorruidh.’ O na deanaibh mi-fheum de throcair Dhe; na gabhaibh droch chothrom air trocair Dhe dhuibh ’s an t-saoghal. Is ann a tha mi a’ samhlachadh trocair Dhe re mnaoi-uasail, gu labhairt le h-urram. An uair a bha a’ Bhan-righinn againn a’ tighinn an toiseach a dh’ ionnsaidh ar tir chuirteadh brat-urlair sgarlaid fo a casan, eadar an t-inneal giulain anns an tigeadh i a Sasunn agus an t-aite no an tigh gus am biodh i a’ dol, gus nach cuireadh i a cas air an lar no air an talamh chumanta. Mar sin tha trocair Dhe cho uasal agus nach cuir i ceum a coise air aite is isle na brata sgarlaid de thoillteanais fuil Chriosd, agus am peacach nach coinnich i air a cheum sin na biodh duil aige gu brath gun coinnich i e air ceum no cursa cumanta a chaithe-beatha pheacaich fhein anns an t-saoghal so.” Aig aon àm, agus e a’ labhairt ri ain-diadhaich a’ choimhthionail, thuirt e, “Sibhse a theid do iutharn a coimhthional Charlobhaigh, coinnichidh sibh ris na Hindùich nach cuala riamh an Soisgeul. Their iad ribh, ‘Rachaibh sios na ’s isle na sinne, oir chuala sibh an Soisgeul agus rinn sibh tair air, ach cha chuala sinne e; uime sin, tha sibh toillteanach air a bhith na ’s doimhne na sinne ann an iutharn.’” Aig aon àm agus e a’ searmonachadh thuirt e, “Ma tha thu ’feoraich c’arson a ghiulain Chriosd na buillean a bu gheire o chlaidheamh a’ cheartais dhiadhaidh, fhreagrainn gur ann air son peacaidhnean a shluaigh an deigh dhoibh a bhith air an deanamh na ’n sluagh dha le creidsinn ann.” Aig am eile thuirt e mu thimchioll grasan a’ chreidimh agus an dochais, “Tha mi a’ [TD 32] samhlachadh Creidimh ri fear-an-tighe, aig a bheil curam a theaghlaich air, agus e an comhnuidh a’ sireadh bidh air son an teaghlaich, agus Dochas mar bhean-tighe mhaith a tha a’ deanamh deagh fheum de chosnadh a fir. Iomadh uair an uair nach urrainn do Chreideamh ni a thoirt dachaidh gus an teaghlach agus gheibheadh iad bas leis an acras mur biodh Dochas, cosmhail ri bean-tighe chiallaich, a’ cur seachad beagain cul na laimhe gu bhith a’ cobhair an teaghlaich an uair nach urrainn do dh’ fhear-an-tighe na air bith a chosnadh.” Chuala mi e aig àm eile a’ cur impidh air an t-sluagh a bhith fialaidh ri tional-airgin a bha gu bhith air a dheanamh air son iompachadh nan Iudhach. “Tha mi,” thuirt e, “gu durachdach a’ guidhe oirbh sibh a thoirt gu fialaidh air son an aobhair mhaith so, oir bidh an Tighearna buidheach dhuibh. Na ’m biodh mac eas-umhal agaibh fhein nach fanadh aig an tigh maille ribh, ach a ruith air falbh, bhiodh meas agaibh air aon sam bith a nochdadh caoimhneas da, ged bha e eas-umhal dhuibh fhein. Ged is naimhdean na h-Iudhaich a thaobh ’an t-Soisgeil, gidheadh tha iad gradhaichte air sgath an aithrichean.” Bha e a’ labhairt uair o ’n fhirinn so—“Oir gu deimhin cha do ghabh e nadur nan aingeal air, ach ghabh e siol Abrahaim air”—“no,” ars’ esan, “mar a dh’ fhaodadh e bhith gu math air a chur o ’n chiad chainnt, ‘Oir gu deimhin cha do ghlac e,’ no, ‘cha do rinn e greim air ainglibh, ach ghlac e,’ no, ‘rinn e greim,’ no, ‘tha e a’ deanamh greim air siol Abrahaim.’ Tha mi a’ samhlachadh glacadh Chriosd air ur nadur ri naidheachd a bha air a h-aithris o shean anns an tir ’s an do rugadh mise. Bha e air a radh gun robh cailleach aig taobh Loch Dubhaich a bhiodh a’ cumail teine rithe fhein air taobh an fhasgaidh, agus an uair a thigeadh, no a sheideadh a’ ghaoth air aghaidh an teine gun gabhadh i an teine na glaic agus gun sineadh i a null e gu taobh eile an loch, agus e mu mhile air leud. Nach ann aice a bha a ghamag! Ach gu labhairt le h-urram, nach ann aig Chriosd a bha a’ ghamag an uair a ghlac e nadur na daonnachd, a bha gu h-achdaidh a chomhnuidh air neamh, ach thainig e o sin agus ghlac e ar nadur air an talamh. No samhladh eile a ghabhail—na ’m faiceadh tu beinn ard, chorrach, chas, os cionn na mara, agus gum falbhadh clach mhor o ’mullach agus gum biodh a’ chlach a’ leum as deigh leum, agus a’ h-uile leum a bha i a’ deanamh is ann a bu treise agus a bu bhraise a bha i a’ dol sios leis a’ bheinn, gus an tuiteadh i ann an doimhneachd na fairge. Is ann mar sin a rinn [TD 33] Criosd; ghlac e ar nadur mar a’ chlach throm a dol sios gu cabhagach le beinn chorraich, chais an tuiteam a dh’ ionnsaidh doimhneachd truaighe shiorruidh, gun ghrunnd, gun chrich, mur bhith lamh chumhachdach Chriosd a rinn an glacadh agus an gleidheadh o thuiteam gu leirsgrios siorruidh.” BUADHAN FUIL CHRIOSD. Bha e a’ labhairt uair air buadhan fuil Chriosd, a reir mo bheachd o ’n earrainn so—“Dhasan a ghradhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ’r peacaidhibh na ’fhuil fhein,” agus dh’ainmich e caochladh bhuadhan a bha air an fhuil. “An toiseach,” ars’ esan, “tha buaidh maithidh innte, oir as eugmhais dortadh fala chan ’eil maitheanas ri fhaotainn. Is beannaichte esan d’ an do mhaitheadh easaontas, d’ a bheil a pheacadh air fholach. ‘Agus,’ arsa Dia, ri Cloinn Israel, ‘bidh an fhuil dhuibh mar chomharra air na tighean anns a bheil sibh; agus an uair a chi mise an fhuil theid mi thairis oirbh, agus cha bhi plaigh oirbh a chum bhur milleadh an uair a bhuaileas mi tir na h-Eiphit.’ Chan ’eil i ag eigheach dioghaltais an aghaidh peacaich anns an t-saoghal so mar bha fuil Abeil. Anns an tir anns an do thogadh mise, anns an àm dhorcha roimh theachd an t-Soisgeil ’n ar measg, bha e air a radh na ’m biodh duine ann a rinn mort, agus nach biodh fios co a rinn e, a’ chiad uair a thachradh am mortair a bhith comhla ri dithis no triuir agus a thigeadh iad an sealladh an aite anns an robh corp an fhir a mhortadh air fholach, gun leumadh steall dhe ’n fhuil air aodann a’ mhortair agus gum biodh e mar so air a bhrath agus air a ghlacadh gu bhith air a dhiteadh gu bas. Chan ’eil mise a’ dol a radh ciod na tha de dh’ fhirinn anns an aithris ud, ma tha firinn idir innte, ach gum faodadh an Dia ceart a leithid sud a dheanamh ann an laithean aineolach agus dorcha ’n ar tir a dh’ easbhuidh eolas agus solus an t-Soisgeil. Ach, mo cho-pheacaich, ged tha sibh ciontach de dh’ fhuil Chriosd ann a bhith ga diultadh agus ga cur an suarachas agus mar sin ag aontachadh agus ga chur gu bas cho cinnteach ris na h-Iudhaich a cheus e, agus aig an robh an lamhan dearg na fhuil, agus a bha a’ glaodhaich, ‘Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinn,’ tha fhuil an diugh ag eigheach maitheanais dhuibhse, agus chan eirich an fhuil so gu brath ’n ur n-aghaidh gus ur brath no ur diteadh ma chreideas sibh na ’buaidh mhaithidh. (2) Tha buaidh reiteachaidh innte. Tha Dia ann an Criosd o’ deanamh saoghail chaillte reidh [TD 34] ris fhein gun a bhith a’ meas an cionta dhoibh, agus dh’ earb e ruinne facal na reite. Agus is ann o Dhia tha na h-uile nithe, neach a rinn sinne reidh ris fhein tre Iosa Criosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na reite. Shonraich Dia Criosd mar iobairt reite tre chreidimh na ’fhuil, chum fireantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peaaidhnean a chaidh seachad tre fhada-fhulangas Dhe. (3) Tha buaidh glanaidh anns an fhuil. ‘Glanaidh fuil Iosa Criosd, a Mhac, sinn o gach uile pheacadh.’ Ach feumaidh sinn a’ chuid a tha air thoiseach de ’n earrainn so a thoirt leinn. ‘Ach ma ghluaiseas sinn anns an t-solus mar tha esan anns an t-solus. tha comunn againn ri cheile; agus glanaidh fuil Iosa Criosd, a Mhac, sinn o gach uile pheacadh.’ An uair a tha gach fuil eile salach agus a’ fagail mi-mhaise na ’n deigh, is ann a tha fuil Chriosd a’ glanadh o gach sal agus a’ deanamh neach na ’s gile na ’n sneachd. (4) Tha buaidh fionnarachaidh anns an fhuil, cosmhail ri fior-uisge a dh’fhionnaraicheas an neach a tha tartmhor, paiteach, air a thuras fo theas na greiue. An uair a tha tart air neach chan ’eil deoch ann is fabharaiche agus is fionnaire na am fior-uisge. Ach tha buaidh fuil Chrsosd a’ toirt barrachd air an uisge, oir fionnaraichidh an fhuil an t-anam bochd a tha air tiormachadh fo agartasan ditidh cogais agus fo fhearg Dhe a tha mar ghath teith na greine a’ bualadh air anam agus ga thoirmachadh suas, Fionnaraichidh i an t-anam a tha air a sharachadh le buairidhean Shatain agus le geur-leanmhuinn an t-saoghail. (5) Tha buaidh neartachaidh anns an fhuil. ‘Is biadh,’ arsa Criosd, ‘m’ fheoil agus is deoch gu firinneach m’ fhuil. Esan a dh’itheas m’ fheoil-sa agus a dh’ olas m’ fhuil-sa cha bhi acras no tart gu brath air.’ Tha fuaran uisge anns an tir ’s an robh mise air mo thogail agus an fheadhainn a bu treise chuireadh iad an lamh sios anns an uisge a dh’ fheuchainn co aca a b’fhaide a chumadh an lamh anns an fhuaran gun lagachadh; agus am fear a b’ fhaide a chumadh a lamh anns an uisge theirteadh gum b’ e a bu treise smior-chailleach. Ach, anaim, tha uisge an so a bheothaicheas agus a neartaicheas tu—an t-uisge mu ’n d’ thuirt Criosd ri neach eile, ‘Na ’m b’ aithne dhuit tiodhlac Dhe agus co a tha ag radh riut, Thoir dhomh deoch, dh’ iarradh tu air-san agus bheireadh e uisge beo dhuit; agus an t-uisge bheir mise seachad,’ arsa Criosd, ‘bidh e na thobar uisge ann a’ sruthadh suas chum no beatha maireannaich,’ ‘An t-Uan a tha ann am meadhon na righ-chathrach treoraichidh e gu beo-thobraichean uisge’—tha so a’ ciallachadh [TD 35] buaidh fuil Chriosd. (6) Tha buaidh siothachaidh anns an fhuil. ‘Agus thainig e agus shearmonaich e sith dhuibhse a bha am fad agus dhoibhsan a bha am fagus.’ Is i an fhuil a tha a’ labhairt sith ris an anam anshocrach, neo-fhoisneach, gun sgiala, gun sealladh, aige air fois—an t-anam ciontach caillte gus an cluinn e Criosd ag radh, ‘Thigibh do m’ ionnsaidh-sa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas’ no fois, no sith, dhuibh. Foghlumaibh uamsa, oir tha mise macanta agus iriosal an cridhe agus gheibh sibh fois,’ no sith, ‘d’ ur n-anamaibh.’ (7) Tha buaidh tarraing agus toirt am fagus ann am fuil Chriosd. ‘Ann an Iosa Criosd tha sibhse a bha roimhe so fad as air ur toirt fagus tre fhuil Chriosd.’ ‘Agus mise, ma thogar suas o ’n talamh mi, tairngidh mi na h-uile dhaoine am ionnsaidh. agus thuirt e so a’ ciallachadh ciod a’ ghne bhais a gheibheadh e.’ (8) Tha buaidh naomhachaidh anns an fhuil. ‘Oir ma ni fuil tharbh agus ghabhar agus luaithre aighe air a crathadh air an dream a bha neoghlan an naomhachadh chum glanadh na fola, cia mor is mo a ni fuil Chriosd a thug e fhein suas tre ’n Spiorad (Naomh) shiorruidh, gun lochd do Dhia, bhur cogais-se a ghlanadh o oibribh marbha chum seirbhis a dheanamh do ’n Dia bheo.’ ‘A thug e fhein air ar son chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd agus gun glanadh,’ no gun naomhaicheadh, ‘e dha fhein sluagh sonraichte eudmhor mu dheagh oibribh.’ (9) Tha buaidh eile anns an fhuil; is e sin buaidh comas dol a steach. Cha b’ urrainn do ’n ard-shagairt dol a steach do ’n ionad a bu ro naomha gun fhuil na ’s mo na ’s urrainn do dh’ aon againne dol a steach a dh’ ionnsaidh fior fhagusachd ri Dia ach tre fhuil Chriosd. ‘Uime sin, a bhraithrean, do bhrigh gu bheil danachd againn chum dol a steach do ’n ionad is naoimhe tre fhuil Chriosd, air slighe nuaidh agus bheo a choisrig e dhuinne tre ’n roinn-bhrat, sin r’ a radh, tre fheoil fhein.’ (10) Tha buaidh saoraidh, ceannach, no cur fa-sgaoil anns an fhuil, air son nam priosanach a bha aig lagh agus ceartas an sas agus ceangailte agus nach deanadh ni a bu lagha na fuil, eadhon fuil an Dia-Duine, an Tighearna Iosa Criosd a’ chuis air am fuasgladh. ‘Air do shonsa fos, le fuil do chomh-cheangail chuir mi mach do phriosanaichas an t-slochd anns nach robh uisge sam bith’—Eaglais Dhe a cheannaich e le fhuil fhein. ‘Agus cha leibh fhein sibh, oir cheannaicheadh le luach sibh; uime sin thugaibh gloir do Dhia le bhur corp agus le bhur spiorad is le Dia, ‘air dhuibh fios a bhith agaibh nach do [TD 36] shaoradh sibh le nithibh truaillidh mar tha airgiod agus or o bhur caithe-beatha diamhain, thugadh dhuibh o bhur sinnsireachd, ach le fuil luachmhor Chriosd mar fhuil Uain gun chron gun smal.’ (11) Tha buaidh daingneachaidh anns an fhuil. Tha i a’ deanamh cinnteach no a’ seulachadh. Tha Cumhnant nan Gras le ’uile bheannachdan air an seulachadh le fuil an Tiomnaidheir, oir ‘far a bheil tiomnadh is eigin bas an tiomnaidheir a bhith ann mar an ceudna. Oir tha tiomnadh daingean an deigh bas dhaoine. Is e so an tiomnadh no an coimhcheangal air a bheil e a’ labhairt, ‘Agus ni mi ribh coimhcheangal siorruidh, eadhon trocairean cinnteach Dhaibhidh’ an Tiomnaidh Nuaidh. Agus a rithist ‘oir dealaichidh na sleibhtean ri ’m bunaitibh agus atharraichear na beanntan as an aite, ach cha dealaich mo chaoimhneas riutsa agus chan atharraichear coimhcheangal mo shithe, deir an Tighearna, aig a bheil truas dhiot.’ Agus mar tha aon eile ag radh, ‘Ged nach ’eil mo thigh mar sin aig Dia, gidheadh, rinn e coimhcheangal siorruidh riumsa air a shuidheachadh anns gach ni agus a choimhidear; oir is e so mo shlainte uile agus mo mhiann uile, ged nach ’eil e toirt air fas.’ (12) Tha buaidh leaghaidh anns an fhuil. ‘Agus amhaircidh iad air-san a lot iad agus ni iad bron air a shonsan.’ Is e sealladh air Criosd agus esan air a cheusadh, agus a bhith air a thoirt fo shileadh na fala a tha a’ bristeadh agus a leaghadh a’ chridhe is cruaidhe. ‘Is iad iobairtean Dhe spiorad briste; air cridhe briste agus bruite, a Dhe, cha dean thusa tair.’ Ma tha thu ag radh nach urrainn duit do chridhe cruaidh a leaghadh, thig leis gu Criosd, a tha air ardachadh air son aithreachas agus maitheanas peacaidh a thoirt; thig air son leaghadh cridhe mur a h-urrainn duit tighinn le cridhe leaghte; thig air son cridhe briste mur a h-urrainn duit tighinn le cridhe briste; thig air son cridhe aithreachail mur h-urrainn duit tighinn le cridhe aithreachail. Tha e a’ gealltainn, ‘Bheir mi fos dhuibh cridhe nuadh agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a stigh dhibh; agus buinidh mi air falbh an cridhe cloiche as ur feoil agus bheir mi dhuibh cridhe feola. (13) Tha buaidh tagraidh anns an fhuil. Tha i a’ labhairt nithe is fhearr na fuil Abeil. Bha fuil Abeil a’ glaodhaich air son dioghaltais, ach tha fuil Chriosd a’ tagradh air son maitheanais; is e a glaodh o bheul Chriosd fhein ‘Maith dhoibh, Athair, am peacadh so, oir chan ’eil fios aca ciod a tha iad a’ deanamh.’ Tha glaodh-tagraidh na fala a faighinn eisdeachd, agus tha peacaich a [TD 37] faighinn maitheanais tre ’n fhuil. (14) Tha buaidh dionaidh no gleidhidh anns an fhuil. Cha robh ni a’ dol a ghleidheadh Cloinn Israeil o ’n aingeal-sgriosaidh a chaidh a mach air feadh na h-Eiphit gun an sgrios mar a rinneadh air na h-Eiphitich, ach gum faiceadh e an fhuil air an dorsan. ‘An uair a chi mise an fhuil gabhaidh mi seachad agus cha bhean mi ri aon agaibh.’ Cha dion agus cha ghleidh ni sam bith sinn o chunnart agus o chron siorruidh ach fuil Chriosd a bhith eadar sinn agus gach truaigh a tha air lorg a’ pheacaidh. (15) Tha buaidh buadhachaidh anns an fhuil. ‘Thug iad buaidh troimh fhuil an Uain.’ Is e is ciall do ’n oran-mholaidh a bhios aig na naoimh gu siorruidh, no an glaodh buadhach a bhios aca an Gloir, ‘Buaidh, buaidh, troimh fhuil an Uain!’” Bha e aon la a’ bruidhinn air faireachdainnean bochda, truagh, a ’bhiodh aig pobull Dhe. Thuirt e—“Choinnich mi uair-eigin bean cho soilleir anns an Tighearna ’s a b’ aithne dhomh riamh. Chuir mi a cheist rithe, “Ciod e do chor fhein an diugh?’ ‘Is naire,’ ars ise, ‘sin ri innseadh. Is ann tha mise ga m’ shamhlachadh fhein ri cu marbh air a thilgeadh a mach air cul garaidh, agus a thigeadh beo lan de chnuimhean graineil,’—no,” ars’ esan, “mar bha an Salmaidh ag radh uime fhein, ‘Tha mi craiteach, chromadh sios mi gu mor, air feadh an la uile tha mi ag imeachd gu dubhach, oir tha mo leasraidh lan de ghalar grannda, agus chan ’eil fallaineachd am fheoil’” Air dha cluinntinn mu bhas Criosdaidh ro chomharraichte, Calum Mac-’ill-Iain, no “Calum-Mor-na-h-Urnaigh,” mar bu trice ’theirteadh ris, a bha ann an Siabost, thuirt e ni-eigin mar so—“O thugadh air falbh uainn Criosdaidh cho mor agus cho beag ’s a’ b’ aithne dhomh an ait air bith anns an robh mi no anns an do shiubhail mi. Bha e cho mor na eisimeileachd air Dia agus gun rachadh e a dh’ iarraidh an ni a bu mho a bhiodh ’anam a’ cur feum air gus an ni a bu lugha a bhiodh a dhith air gu litireil. Rachadh e a dh’ iarraidh rud ann an uruaigh nach b’ fhiu leinn iomradh air. Dh’ iarradh e barr-iall broige ann an uruaigh air Dia na ’m biodh e dhith air.” Bha e na iongantas le moran d’ am b’ aithne e cionnus a bha an duine so a’ seasamh ris cho beag de chadal ’s a bha e a deanamh. Dh’ eireadh e caochladh uairean as a leaba re na h-oidhche a dh’ urnaigh, agus re an la air an doigh cheudna. Chan fhanadh e anns a’ chomunn no a’ chuideachd a b’ fhearr os cionn leth-uair, tha e air a mheas, gun dol dha ’n uaigneas a dh’ uruaigh. Agus bha run an Tighearna air fhoillseachadh dha gu mor a [TD 38] thaobh cuisean agus creutairean a bha air an toirt f’ a chomhair. Dh’ fhairich Mr Iain Mac-Rath gu geur a bhas, cosmhail ri moran eile ’s an la ud, a bhreithnich feum agus luach an fhior Chriosdaidh ud, a bha air a thoirt suas gu h-anabarrach do dh’ urnaigh agus do churam ro shonraichte air son aobhar Dhe. A deigh an iomraidh ghoirid ud air fear-na-h-uruaigh freagraidh rud a thuirt Mr Iain MacRath Mor e fhein. “Cha robh,’ ars esan, “a’ mhaighdean sin riamh air thalamh air an robh uiread de churam m’ a cliu ’s a tha air pobull an Tighearna air eagal gun toir iad oilbheum do ’n aobhar no masladh air aobhar an Tighearna a tha iad ag aideachadh agus a’ leantainn.” Chuala sinn uair eile e a’ labhairt air an doigh so—“Faodaidh neach,” ars’ esan, “a bhith ga mhealladh fhein le a bhith an duil do bhrigh gu bheil e beusach, curamach, modhail, agus stuama na chaithe-beatha gum faigh e fabhar Dhe no gun gabhar ris air thoiseach air moran eile nach ’eil beusach is faicilleach na ’n caithe-beatha. Coma leam dhe do bheusachd, coma leam dhe do mhodhalachd, coma leam dhe do stuamachd; ma bhios tu gun Chriosd, is coma agus is call dhuit uile e. Mur toir ur fireantachd barr air fireantachd nan Sgriobhaichean agus nam Pharasach, cha teid sibh air chor air bith a steach do rioghachd Dhe.” Bha e uair a’ cur iompaidh air peacaich teicheadh gu Criosd, agus chleachd e na briathran so—“Mo cho-pheacaich, nach cabhagaich sibh? Nach greas sibh oirbh? Nach teich sibh a dh’ ionnsaidh Chriosd.” “Tha mi,” ars’ esan, uair eile, “a’ samhlacnadh a’ Chriosdaidh na thuras troimh ’n t-saoghal chunnartach so ri neach aig am biodh gach la ri siubhal eadar theineachan dluth ri cheile air gach taobh dheth agus poca fudair air a dhruim. Dh’ fheumadh e gach tiota an aire mhath a thoirt nach rachadh e na ’s faisge air aon taobh na air taobh eile, air eagal gum faigheadh uir ead agus sradag bheag dhe ’n teine greim air an fhudar, air neo chuireadh e am poca uile na theine lasrach m’ a chluasan. Sin mar tha cor gach creutair leis an t-seann nadur pheacach a tha e a’ giulan agus a tha ullamh gu bristeadh a mach, o bhuaidh ana-mianna air chor-eigin, mur bi e air a chumail air ais, air a chlaoidh, agus air a chaitheamh as le gras agus le gleidheadh Spiorad Dhe. ‘Ma mharbhas sibh tre ’n Spiorad gniomharan na colla, bidh sibh beo.’ ‘Cum suas mo cheuman ann ad shlighean chum nach sleamhnaich mo chasan.’ Sin an urnaigh air a bheil feum gach neach o la gu la na chuairt air an talamh.” [TD 39] Bheir sinn a nis seachad beagan phronnagan dhe na fhuair sinn de chainnt Mr Mhic-Rath. Aon la, agus e a’ labhairt mu ’n anam thuirt e, “B’ e an t-anam fhein an t-aobhar mor air e a chall a shaorsa agus a cho-chomunn ri Dia, a’ dol air faontradh seacharain cosmhail ri leanabh an uair a dh’ fhagas e uchd a mhathar ro luath a’ dol gus an lar agus e ag itheadh nan guailleanan.” A rithist, an t-anam na amaideachd ag iarraidh an Tighearna fhaicinn gu litireil—“Anaim, c’ arson a tha thu ag iarraidh an ni nach seasadh tu ’fhaicinn? Chunnaic cuid eile ainglean a mhain, agus thuit iad sios mar mhairbh.” A rithist, “An uair a bha Maois agus Elias a’ labhairt mu ’n bhas a bha Iosa a’ dol a dh’ fhulang aig Ierusalem, cha b’ ann air gloir neimh a bha iad ach air a bhas a bha e dol a dh’ fhulang air son gloir Dhe agus math na h-Eaglais.” A rithist, a’ labhairt air Muire agus air Marta an uair a bha am brathair, Lasarus, marbh—Marta a’ coinneachadh Iosa, agus i ag radh, ‘Na ’m biodh tusa an so chan fhaigheadh mo bhrathair bas—“Ach bha cridhe Mhuire cho lan, cha b’ urrainn di ni a radh. Agus is e sin cradh is cruaidhe r’ a ghiulan, an cradh nach faigh aon deur Ach co a theireadh nach robh Marta cho math ri Muire, oir fhritheil i an comhnuidh do Chriosd agus d’ a shluagh, agus Eaglais.” A rithist—“Thug e a mach iad cho fada ri Betani. Bha suilean nan deisciobul ag amharc suas na dheigh, agus o ’n àm ud tha suilean a shluaigh uile ag amharc fhathast suas na dheigh.” A rithist—“‘Eiribh, rachamaid as so.’ Bha aithne an athar na bu luachmhoire le Iosa na comunn nan deisciobul, math ’s mar bha e. Anaim bhochd, faodaidh tusa a bhith ag radh ‘Tha mi a’ dol dachaidh o ’n Ordugh gun mhath air bith fhaotainn do m’ anam. Ma fhuair thu eolas air aon neach de shlnagh an Tighearna nach b’ aithne dhuit roimhe, tha mise ag innseadh dhuit gur e sin comharra gun d’ fhuair thu math do d’ anam. Agus ma tha iarrtas na ’s treise annad gu dol gus an ath Ordugh tha sin cuideachd na chomharra gun d’ fhuair thu math do d’ anam.” Air La Ceist, o ’n earrainn, “Fagaidh mi na d’ mheadhon sluagh an-shocrach is diblidh,” thuirt e, “Mar nach seas biadh gun salann a bhith na mheasg, mar sin bha an saoghal. Ghrodadh e agus cha seasadh e ach gu bheil sluagh an Tighearna fhein ’s an t-saoghal ga ghleidheadh o ghrodadh. Agus tha stoirmean agus trioblaidean a tha a’ tighinn na ’n rathad ga ’n gluasad thuige fhein. Mur hhith sin dh’ fhasadh iad fuar, marbh, agus chan iarradh iad e; [TD 40] agus an uair a tha an t-anam a’ gairm air Dia ann an teanntachd ’eisdidh e agus their e, ‘Greas dachaidh, mo leanamh.’” Uair, agus e a’ labhairt air Noah anns an àirc an uair a chuir e a mach am fitheach, thuirt e—“Cha robh uiread riamh aig an eun sin de churam de ’n t-saoghal ’s a bha aige an sin, oir bha moran chairbhean aige ri beathachadh orra. Mar sin tha na h-aingidh. Chan ’eil iad uair air bith cho toilichte ’s a tha iad an uair a tha bas anns an t-saoghal, agus an uair nach cronaich aon iad air son an aingidheachd. Biodh eagal oirbh, aingidh, an uair a tha naomh air a thoirt dachaidh, mur tog an Tighearna fear eile suas na aite. Ach cha d’ fhuair an calaman fois agus cha d’ fhag e an àirc ach ag itealaich m’ a timchioll. An deigh do ’n anam a bhith air aonadh ri Criosd, na ’m bu chomasach e thiolpadh e e fhein air falbh mile uair.” A rithist air “Caraid a ghradhaicheas ’s gach am,” thuirt e—“Bha an teanntachd mor anns an robh an cinne-daonna ann am priosan lagh agus ceartais. Cha b’ iongantach ged bhiodh cridheachan air leaghadh le gradh do ’n bhrathair a theasairg am peacach a mach as.” A rithist—“Na biodh eagal oirbh ciod a dh’ fhuilingeas sibh; tilgidh an Diabhul sibh am priosan gu ur dearbhadh. Bidh amhghar agaibh deich laithean ach bi thusa dileas gu bas agus gheibh thu crun na beatha.” Mu ’n Abstol Phaul thuirt e—“Bha ciste aige lan de dh’ fhein-fhireantachd, ach leis a’ ghraba thilg e uile air an otrach e. C’arson a leig an Tighearna leis dol cho fada, an uair a bha e a’ dol a dheanamh trocair air? Gu labhairt le urram is ann a chum ’s nach tugadh an t-Abstol duil-thairis de dh’aon air bith as a dheigh sud.” Chualah sinn e a’ labhairt o ’n earrainn so, “O gun tugadh tu fainear m’ aitheantan-sa. An sin bhiodh do shith mar abhainn agus d’ fhireantachd mar thonnan na fairge.” “Bhiodh,” ars’ esan, “do shith mar abhainn a bhiodh a’ sior ruith gu briagha, gu pailt, gu buadhach, agus gu buan. Sin an nadur sith a tha air a gealltainn anns an fhirinn so. Agus, a rithist, bhiodh d’ fhireantachd mar thonnan na fairge, no cosmhail ris na tuinn a chi thu cho fada ’s is leir dhuit, a’ tighinn a nall o Rugha Ghearr-loch agus iad a’ leantainn as deigh a cheile, aon a deigh aoin, gu comhnard, gu cunabhalach, gu cumhachdach, gun chrich, gun chlos, a’ bualadh air Ceann na Cabaig. Cha bhac, cha bhrist, agus cha phill ni air bith na tuinn gun an cursa fhein a ruith. Mar sin tha fireantachd an anma ghrasmhoir; cha ghabh i atharrachadh, no bacadh, no bristeadh le ni ’s [TD 41] an t-saoghal so a dh’ fhaodas coinneachadh ris an anam—aon uair air fhireanachadh agus mar sin gu brath tuilleadh mairidh ’fhireantachd. Ghabh e mor shaothair ann an ullachadh air son na cubaid ged nach do thoilich e a chur an sgriobhadh ach an samhladh a bu lugha d’ a shearmoinean. Tha eiseimpleir de dheilbh searmoin a chuir e a sios mu ’n do shearmonaich e i, ri fhacinn ann an “Leabhar Fiughalaich an Dealachaidh” (“Disruption Worthies”), ann am Beurla, o ’n earrainn so—“Agus tha fios againn gun co-oibrich na h-uile nithe chum maith do ’n dream aig a bheil gradh do Dhia, eadhon dhoibhsan a ghairmeadh a reir a ruin.” Tha i air a cur sios fo gach ceann mar a leanas:— I.—CO IAD AN FHEADHAINN AIG A BHEIL GRADH DO DHIA, A THA AIR AN GAIRM A REIR A RUIN. 1, Tha an lagh sgriobhta na ’n cridheachan; 2, Tha nadur nuadh aca; 3, Gradh do ’n ni a tha an lagh ag iarraidh orra; 4, Thuig iad agus chreid iad gradh Dhe do pheacaich; 5, Chunnaic iad oirdhearcas agus gloir a’ ghraidh so; 6, Dh’ fhairich iad tarraing na’n cridheachan d’ a ionnsaidh; 7, Tha iad ga ’m fuathachadh fhein do bhrigh peacaidh annta; 8, Tha tart orra air son naomhachd; 9, Tha gradh aca do thigh agus do sheirbhis Dhe; 10, Tha iad beo air a ghealladh. An dara ni—Tha iad air an gairm gu h-eifeachdach; 1, Bho bhas gu beatha; 2, Bho dhorchadas gu solus; 3, Bho pheacadh gu gradh. II.—NA H-UILE NITHEAN. 1, Amhgharan na beatha; 2, Buairidhean Shatain; 3, Freasdalan dorcha; 4, Dail an geallaidhean; 5, Bochdainn spioraid; 6, Amaideachd chairdean aidichte; 7, Anmhuinneachdan sean aois; 8, Falamhaichean o shoitheach gu soitheach. III.—AM MATH AIR A BHEIL E A’ LABHAIRT AN SO. 1, Luchd-compairt de naomhachd Dhe; 2, Ga ’n greasad dachaidh; 3, Ga ’m fuasgladh o ’n t-saoghal; 4, Dearbhadh ciod a tha na ’n cridheachan; 5, Ga ’n ullachadh air son an seilbh (1) Tha buadhan Dhe an sas gus am math a dheanamh cinnteach; (2) Tha dreuchdan Chriosd air an cur an gniomh air son na criche so; (3) Tha obair an Spioraid ’s a’ chrich so na shealladh. Fhuair sinn greim air deilbh searmoin chumhachdaich a chuala sinn uaith ann an Sgire nan Loch, air La Sabaid Comanachaidh ann an June, 1861, o ’n earrainn, Isaiah liv., 5—“Is e d’ fhear-posda do Chruithear.” [TD 42] Suidheachaidhnean na h-Eaglais—A’ cur feum air misneachd, aimrideas; cuairtichte le naimhdean lionmhor agus laidir; neo-chomas gu i fhein a chobhair; cionta fairichte; misneachd do chreideamh. I.—NA H-URRACHAN—An Cruithear agus an creutair ciontach. II.—DUILGHEADASAN AN AONAIDH—1, Eadar-dhealachadh naduir; 2, An t-astar mor eatorra; 3, Peacaichead an naduir; 4, Bha i na traill do pheacadh; 5, Dh’ fhuathaich i a phearsa; 6, Bha i graineil le luibhre; 7, Baithte ann am fiachan; 8, Na priosanach do cheartas; 9, Air a diteadh gu bas; 10, Fo ’n mhallachd. III.—ATHARRACHADH A’ H-UILE CNAP-STARRADH LE IOSA CRIOSD AN TIGHEARNA—1, Corp-ghabhail—fear-daimh—dhe ’n aon nadur; 2, Thainig e gu bhith na urras gu paidheadh am fiachan uile; 3, Dh’fhosgail e dorsan a’ phriosain; 4, Dh’ iobair e e fhein do Dhia air a son; 5, Dhoirt e a mach anam gu bas air a son; 8, Choinneach e a h-uile agartasan—“Tha e criochnaichte”; 9, Chaidh e a steach do neamh gu taisbeanadh air a son, agus gu bhith na fhear-tagraidh. IV.—CHUIR E E FHEIN F’ A CHOMHAIR ANNS AN T-SOISGEUL GU BHITH A’ COSNADH A H-AONTA—1, Cogais air a dusgadh; 2, A tuigse air a soillseachadh; 3, Leagh e a cridhe; 4, Rinn e toileach i; 5, Thainig iad gu bhith aonaichte. Tha Criosd air a thairgseadh gu saor do uile luchd-eisdeachd an t-Soisgeil. A chliu—(l) Maiseach; (2) Iriosal; (3) Gradhach; (4) Beairteach; (5) Dileas; (6) Uile-chumhachdach; (7) Truasail. Cliu a cheile—Comharan—(1) Gu follaiseach air a thaobh; (2) Dileas d’ a ainm, d’ a aobhar, d’ a fhirinn, d’ a shlaugh; (3) Beo air a chosd; (4) A ohuing, is saorsainn agus urram di; (5) Is e easbhuidh a laithreachd a h-eallach agus aobhar a broin; (6) A gheallaidhean is iad a biadh, no lon a h-anma; (7) Fhireantachd is e a comhdach a mhain; (8) Tha tart oirre air son naomhachd; (9) Tha a cridhe a’ dluth cheangal ris; (10) Tha i buailteach do dh’ eagalan agus do theagamhan a tha ga ’lionadh le bron; (11) Tha fadachd oirre air a Spioraid a bhith gu h-iomlan ga ’riaghladh. Bha aon eolach air a thuirt uair-eigin ris cum biodh e coltach, neach aig an robh comasan mora mar bha aige-san gur e duine tearc a bheireadh riarachadh dha ann an labhairt air an fhirinn. Fhreagair e, “Chan ann mar sinn a tha a’ chuis. Chuirinn-sa suas [TD 43] agus ghiulaininn le neach air bith ann an ceann na firinn mur a cluinninn e a’ toirt ana-ceartais mhoir dhi, no ag radh ni a bhiodh ainneartach do’n fhirinn. Ann an toirt na h-oibre so gu co-dhunadh ainmichidh mi da naidheachd eile m’ a thimchioll. Thuirt e uair mu Mhr Mathanach a bha an Gearr-loch, agus neach air gearan ris cho daorsainneil ’s a bha am ministear ud air àm araidh agus e a’ searmonachadh. “Seallaibh,” ars’ esan, “mur bi a’ bheag de shaorsa aig Mr Mathanach na inntinn fhein aithnichear sin air gu luath. Tha eadar-dhealachadh mor eadar e agus mise. Mur a faigh e o shuas e cha dean e a bheag a dh’ fheum. Tha e mar am muileann nach gluais an roth aige mur tig an t-uisge tre ’n amar gus a chur air ghluasad agus air shiubhal gu feum. Ach air mo shonsa, ged nach biodh dad de shaorsainn agam dheanainn searmoin le m’ thuigse gun moran a dh’ aithneachadh sin orm.” Tha e a reir a’ h-uile coltais soilleir nach robh teachdaire eile ann ris an robh e cho dluth—cho fior cheangailte ’s a bha e ann an cridhe agus ann an spiorad ri Mr Alasdair Stiubhart Urramach a bha an Crombagh. Dhearbh e sin co dhiubh an uair a thug e ’ainm air a mhac a’ b’ oige a bha aige. Faodaidh sinn ainmeachadh an so, cho fad ’s is aithne dhuinn gu bheil triuir mhac Mhr Mhic-Rath thall thairis a’ soirbheachadh gu math ann an cuisean aimsireil, agus dithis nithean da posda anns a’ Ghaidhealtachd air da mhinistear de ’n Eaglais Shaoir. Innsidh sinn an naidteachd a leanas mu thimchioll Mhr Mhic-Rath agus Mhr Stiubhart Chrombaigh mar tha i air a toirt ’s a’ Bheurla ann an “Leabhar Fiughalaich Ghaidhealach an Dealachaidh” (“Disruption Worthies of the Highlands”). An uair a bha e anns a’ Chnoc-bhan bha aige ann an dluth choimhearsnachd ris Dr Domhnallach na Toisidheachd agus Mr Stiubhart Chrombaigh. Comhladh riu so b’ e a shochair a bhith gu cairdeil a’ comh-oibreachadh anns gach deagh obair. Ri Mr Stiubhart bha e air na cumhnantan a bu ghaolaiche agus cha do labhair e riamh uime ach leis an urram a bu mho. Rinn tuigse thurail agus diadhachd dhomhain Mhr Stiubhart tarraing mhor air Mr Mac-Rath, agus air an laimh eile bha aig Mr Stiubhart am meas a bu mho air a charaid, agus e fhein gann fiosrach air a chomasan mora fhein, ga mheas fhein mar an t-aon a bu lugha dhe na naoimh. Bha an dara h-aon diubh na lionadh suas air an aon eile—air do ghrian-dhearrsadh [TD 44] soilleir agus fearas-chuideachd Mhr Stiubhart a bhith na chumhachd sona air suidheachadh no coltas gruamach agus cha mhor geur-theann inntinn Mhr Mhic-Rath. Bha e air innseadh le Mr Mac-Rath gun d’ fhuair e o Mhr Stiubhart an ni theagamh a dh’ fhairich e mar an cronachadh a bu gheire a fhuair e riamh. Is ann air feasgar Di-luain Comanachaidh a bha e. Bha Dr Domhnallach agus Mr Stiubhart le cheile a’ cuideachadh aig an Ordugh anns a’ Chnoc-bhan. Aig an dinneir bha Mr Stiubhart anns an spiorad a bu shunndaiche agus bha e a’ cumail a’ bhuird ann an glaodh gaireachdaich. Fa dheireadh chuir Mr Mac-Rath a bha samhach agus mi-fhoighidneach stad air agus thuirt e, “Gu cinnteach” no, “da rireadh, a Mhr Stiubhart, tha so a’ dol tuilleadh’s fada. Chan urrainn duibh so a ghairm na chomh-dhunadh freagarach do ’n obair anns an robh sinn an sas.’” B’e freagradh Mhr Stiubhart eirigh, agus a’ cur a lamhan air guaillean Mhr Mhic-Rath, dhanns e gu h-aighearach air a chulaobh gus am b’ fheudar dha aonadh anns a’ ghaire choitchionn. Ach anmoch ’s an fheasgar, an deigh do chach falbh no dol gu tamh thug Mr Stiubhart fainear gu solaimte, “A Mhr Mhic-Rath, chronaich thusa mi aig an dinneir air son mo choltas aotromais, ach le mo chleachdainnean, a’ caitheamh uiread de m’ bheatha am aonar, tha mi a’ smaoineachadh gum bithinn marbh o chionn fhada ach gu bheil agam amannan lasachaidh air uairibh am measg chairdean.” “Dh’ fhairich mi na lathair,” thuirt Mr Iain, an deigh sud, “mar gum bithinn toileach mi fhein fholach anns an talamh.” Nach ann an sin a bha na fior chairdean, aig an robh am meas agus an t-urram do dh’ aon a cheile! Leanamaidne an creideamh-san, a’ beachdachadh air crioch an caithe-beatha, Iosa Criosd, an de, an diugh, agus gu siorruidh an ti ceudna. “Agus is miann leinne gun dean gach aon agaibh an durachd ceudna a nochdadh, chum lan dearbhaidh an dochais gus a’ chrich; chum nach bi sibh leisg, ach ’n ur luchd-leanmhainn orrasan a tha tre chreidimh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan [geallaidhean.” – san lethbhreac bho NLS aig archive.org] [TD 45] MARBHRANN AIR AN URRAMACH IAIN MAC-RATH MOR, LE NEACAL MAC-NEACAIL. Tha neach bha ro araidh An drasd’ na mo shealladhsa, Air an deanainn luaidh dhuibh— ’S e gu buan a thoilleadh sin. B e’n t-Urramach Mac-Rath Mor e; ’S bha e mor gun teagamh ann, Air feadh gach ait’ na ghluais e ’S na h-eileanaibh tuath so againne. Bha e na dhuine treubhach, An corp ’s an inntinn foghainteach; Bha toirt ait’ an t-sluaigh leis Gu buadhach, le chuid theagasgaibh. Bha ’chomasan mor inntinn Gu ciatach air an cleachdadh leis; Le feum a nithibh timeil Thionndadh gu brigh spioradail. B’ esan am fior aodhair, Gu Eaglais Chriosd ’bheathachadh, Bheireadh dhoibh na mirean Gu milis air an deasachadh. Cha bhiodh aon a lathair Air am biodh cail dhe’n acras, Nach fhaigheadh rud a b’fheairrd’ iad Chum sasachadh an anam-san. Cha robh cor ri fhaotainn, ’Smaoinicheadh neach labhairt air, Nach tugadh e am fianuis, Gu briagha, rianail, faireachdail. ’S mor rinneadh dh’ fheum leis, An eideachadh fior a phobuil-san, Fhad ’sa fhuair, o Dhia, iad Dheth theagasg brioghmhor beathacha B’iongantach an t-eolas Fhuair e, na bhreithneachadh Air obair ghrasmhor Dhe, Anns gach ceum is gne de cleachdainnean. [TD 46] ’S bha aige mor thalantan Is grasan, gus an cleachdadh leis, Thugadh dha le Dia, Chum feum is rian na Eaglais. ’S rinnean leis-san feum dhiubh, Gu cliuteach ann na mhinistrealachd, Gu h-araidh ann an Leodhas, Far na chaith gu mor e thurasan. Ach fhuair aitean pairt Dheth shaothair bha milis dhoibh, Mar anns a’ Chnoc-bhan sin, ’S na sheirm gu h-ard an Soisgeul e. Is bha e tamh an Grianaig, Fad bhliadhnaichean mar mhinistear; Is rinn e moran sluaigh ann Ghluasad as a dheigh-san. Ach phill e rithist, ri uine, Dha’n duthaich o’n d’thugadh e; ’S an robh ’cheud churam, An ceann an t-sluaigh gu h-urramach. Is chaidh e, anns an àm sin, Na cheann air a’ choimhthional, Bha anns na Lochan thall ud, Rinn gu teann an ceangal ris: Oir bheannaicheadh a shaothair, ’S a’ sgir sin, gu h-aithnichte, Measg sean is og dhiubh, ’Bha meas gun gho mar Athair e. Is cha’n e sin a mhain e, Ach pobul Dhe gu h-aideachail, Theireadh iadsan fein uim’, Gu robh gu leir dha’n eideachadh. Oir bhiodh e na fhior fheisd, A bhith g’eisdeachd a theagasgan, Gach la bhiodh an sas e ’S an ait’ sin, no o’ dhachaidh ann: Is shaoilte, gach aon tra dhiubh, Nuair bhiodh e a’ tabhairt dhoibh ’Bheatha bhlasda chailear, Nach d’fhuaras riamh an samhuil aig’. Dh’ fhalbhadh iad dha ionnsaidh, Chum eisdeachd ris an fhacal uaith, Bho thaobh thall na duthcha, ’Null gu eaglais Chroisboisd. [TD 47] Choisicheadh iad, gu trathail, Air rathad mor is monadh h-uig’, Air maduinnean na Sabaid, Le cail nan gras dha’n tarruing ann. Is gheibheadh iad, gu lathail, Na chumadh blàs is blasad riu, Air ais gu ruig an aitean, ’S d’an cairdean gu bhi tabhairt dhoibh: Is dh’fhagadh sin iad cailear, ’Ghnath gu bi leantuinn air, ’G iarruidh beath’ nan grasan, Chum fas le blath is abuchadh. Cha b’iongnadh iad bhi ’g iarruidh Aa deigh an aodhair oideachail Bha mar stiubhard fialuidh Riaghladh dhoibh gu fosgailteach: A’ tabhairt seachad cuibhrinn De ’n a bheatha shaoibhir, mhaireannaich, Bha ac’ an tamh an Criosda, Mar ionmhasair an Athar dhoibh. Ach chaidh fa-dheoigh a Charlobhagh, An teachdair ailildh, airidh so; ’S bha Dia, o’n Airde, pairteachadh De bheath’ nan gras ri ’anam ann. ’S bha bhuaidh bheannuicht, abhaisteach, Gun tamh, ’s a’ chearn’ sin, maille ris; Bhi na fhior fhear araichidh Do chlann nan gras na ’m falamhachd: Is fhuair iomadh neach san aite sin, Math, gu brach nach dealaich riu, ’S ann ann an eaglais Charlobhagh Bho eisdeachd lan de bheathachadh. Ach bha moran ann nach b’ aill leo Na b’fheairrd bhi aig an anam-san, Dh’ fhagadh, mar am fasach iad, Gun toradh grais no beannachd orr’. Is mor thug Dia dha thalant, Chum fhacal grais a labhrachadh, Le snas is tabhachd cainnte, ’S dha charadh ri cho-pheacachaibh. Cha chualas leam, na m’ la-sa, Dhe ’n aireamh araidh b’aithne dhomh, Cho urramach an grasan, S am pairtean ard’ cho barraichte. [TD 48] Is their mi so an drasta, Reir mar tha mo bhreithneachadh, Nach ’eil mi’n duil chlaistinn Aon, gu brath, cho airidh ris; Shoilleiricheadh an fhirinn Cho cinnteach, brighmhor, breithneachail ’S a bheireadh do gach aon ann ’Chuibhrionn fhior a bhuineadh dha. Bha theagasgan ghnath aig’ Cho lan de bheath’ ’s do shnasmhorachd ’S nach bu mhath leinn facal fhagail Thairta dhe na labhradh e. Bha e gu snasmhor, araidh, Air diomhaireachd a’ Phearsa-sin, Ghabh thuig e ar nadur Chum ar n’ait’ gu bas sheasamh leis. Mar chuir an cumhachd sgaile Air an Oighe Muire, mhaiseachail, ’S gum biodh an Ti a b’airde Gabhail ait’ mar leanabh innt’. B’e sin, da rireadh, an t-iongnadh Bu mho chaidh riamh aithris dhuinn, An Dia bh’ ann o’n t-siorruidheachd, Tighinn na chiochran lagchuiseach. Bhiodh smior chruithneachd, daonnan, Ri fhaotainn o fhior theagaisgean;— Air breith ’s air beath’ Fear-Saoraidh, Craobh-sgaoileadh brigh a theachdaireachd. ’S mar ghabh e thuige fein iad, Ar n-eiginnean ’s ar laigsinnean, Chum gum biodh sin feumail, Na thuras gluasad maille ruinn: ’S gun deanadh e ar nadur Shlanuchadh ’s a mhaiseachadh, Le fuil a chridhe ghradhaich, ’S le spiorad grais ga’n abuchadh. Mar bha e fein ’n ar nadur, Gu h-uile saor de pheacadh ann, Nur sheas e chum ar tearnadh, ’S ar slanachadh o’n ghalar ud— Gum biodh fa-dheoigh sinn sabhailt, ’S ar nadur air fhior ghlanadh leis O gach truaigh is sarach, Rinn am peacadh ghnath air talamh oirnn: [TD 49] Gun deanadh e ac n-ardach’ Chum aite an aigh san t-sonais sin, Bhios aig fein ’s a chairdean, Rinn bheath’ ’s a bhas cheannach dhoibh ’S am bi chaoidh, gu seinn-mhor, Air meud a ghraidh, ro airidheil, ’S le fhuil fein dh’ionnlaid O’n pheacadh ghraineil mhalluichte. Gu siorruidheachd bhi cliuthach’ ’S a’ crunadh Chriosd cheannaich iad, ’S ni ’m beathachadh lan solais Le shonas glormhor maireannach. Cha b’iongnadh ged bhiodh cuimhneach Clann nan gras air a shamhail-san, Fhuair cho tric an cuibhrionn De ’n bheath shaoibhir bh’aige dhoibh. Cha bhiodh aon air fhagail Aig am biodh cail gu ghabhail uaith, Nach fhaigheadh beath’ is arach De ’n fheisd b’fhearr ghabhadh iad. Ach b’urramach ’s bu sholaimt, Bhi faicinn na mor mhaise bh’air, ’N uair sheasadh e, gu doigheil, Aig ceann bord Comanaich. Bhiodh cudthrom agus stoldachd, Ro oirdheirc, air ’s an t-seasamh sin; Gu sonruicht ’n uair bhiodh sas e Gu h-ard air son nam beannachdan. Guidhe gum biodh fialachd Riaghladh o na Flaitheanas, Do chairdibh caomha Chriosda, Dhe’n t-saoibhreas shior tha maille ris, ’S na h-uile h-anam bronach, Bha caoidh air so an galairean, ’G iarruidh gum biodh Criosda Toirt saors’ dhoibh o’n anshocair. ’S gum biodh comunn diomhair, ’S an am ud aig an anamsan Ri Criosd, na bheath ’s na bhas-san, Troi’ shamhluichean ghabhail leo. Is chuidicheadh e an truaghan Nach gluaiseadh le cion tapachd ann, Gu tighinn, anns an uair sin, Chum bord Fhir-Shaoraidh bheannaichte. [TD 50] B’e fein a’ bhanaltrum bhaigeail, Chum taladh h-uig gu faicilleach, Na h-uile h-aon bh’air fhagail Mar leo fhein gun lethbhreac dhoibh. Gun robh suile caomhail Chriosda, Gu daonnan air an aiteam ud, Le tlachd is truas ga’n iarraidh ’S ga’n arach le shaor bheannachdan. Is gur iad an dearbh sheorsa Dha’n a shonruicheadh ’mhathas-san; Is mar bu truaigh ’s bu bhronaich Gur h-ann bu mho di-bheatha dhoibh. ’S mor dha’n robh bhraithrean, Le rian, air am beannachadh; Freagradh, cho fior chiatach, D’ an coran iosal, faireachdail. Bidh cuimhne mhath ri m’ bheo air Bhuaidh bha le fhacalaibh, Air feasgar Sabaid Orduigh, ’Nar suidh aig bord Comanaich: Cho druighteach ’sa bha suilean, ’Sileadh sios gu frasach ann, Le sealladh air an t-solaimteachd Bhi aig a’ bhord ro mhaiseach ud. Nach b’airidh bhi san ait’ sin, Cuid cho graineil salach riu, Is iadsan bha cho suarach Ri muinntir thruaigh gun airidheachd? B’e sealladh cho ion-mhiannuicht’; ’Sa fhuaras riamh air talamh leam, Bhi cluinntinn fuaim nan deoiribh, Dortadh air an anart ann. Is muinntir, air gach laimh dhiom, Air chrith le meud an fhairichidh Bh’ac’ air an t-suidhe sholaimt, Thaobh coir air bord cho beannuichte. Bu mhaiseach is bu sholaimt Ri fhaicinn am bord crithneachadh, Air an robh na h-aoidhean, Bho bhuaidh na gloir’ bha ruigheachd orr’. ’Se ni bu mho a shaoil mi Na aon ni bha faicsinneach, Urrad de mhorachd neamhaidh Bhi comhnachadh air talamh oirnn. [TD 51] ’Se ni-sa tha mi ’g iomradh, Dh’iarruinn fhathast fhaicinn ann, Mi bhi air mo chuartachadh Le leithid do shluagh cho fairichte. ’Se ’n Tighearn chuir na fiachan Air an eilean iar so againne, Chuir a leithid do fhianuis, Riamh chum ar dachaidh ann. ’S cha teid ’ainm air dhi-chuimhn’, An laithibh ar ginealach, An fhad bhios an lathair Neach dhe’n al d’ am b’aithne e. ’S ged theirinn-sa os barr so, Gum bi gu brath ann aithris air Fhad bhios sluagh le Dia ann, Chum iomradh dha’n cuid cloinne-san: Oir ’s minic’ mheasadh leamsa, Gun chuireadh fior urram orm Gun d’fhuair mi bho Dhia, Bhi riamh beo na latha-san. ’S gur fiachan cho mor iad, ’Sa chaidh air Leodhas iomallach, Gun deachaidh Mac-Rath Mor Thoirt uaithsan dhoibh mar theachdaire. An Samhradh, 1877. A’ CHRIOCH.