[DA 1] NA BÀIRD LEATHANACH: The Maclean Bards. BY THE REV. A. MACLEAN SINCLAIR. VOL. II. Charlottetown: HASZARD & MOORE. 1900 [DA 2] Copies of The Maclean Bards will be sent to any address post-paid, on the following terms, by Neil Maclaine, 2 Rutland Crescent, Glasgow, Scotland: Vol. I., 2s 3d. Vol. II., 2s 3d. Vols. I. & II. together, 3s 6d. I am indebted to Mr. C. R. Morison, Mull, for the poems at pages 100, 101, and 173; and to Mr. Neil Maclaine, Glasgow, for the poems from page 103 to page 121 and from page 124 to page 166. A. MACLEAN SINCLAIR. Belfast, P. E. I. Dec. 17, 1900. [DA 3] AN CLÀR-ÌNNSE. 1. Gilleasbuig Mac-Gilleain 1–7 2. An Cùbair Colach 8–16 3. Dòmhnall Cùbair 17–22 4. Dòmhnall Bàn na Lìoba 23–26 5. Am Bàrd Mac-Gilleain 27–77 6. Mr. Donnachadh Mac-Gilleain 78–82 7. Lachainn na Gàidhlig 83–85 8. Mr. Ailein Mac-Gilleain 86–88 9. Iain Mac-Gilleain an Bhàtairnis 89–92 10. Tearlach Mac-Gilleain 93–99 11. Peigi Nic-Gilleain 100 12. Eóghan Saor 101, 102 13. Iain Mac-Gilleain am Baile-Mhartainn 103–121 14. Eachann Mac-Gilleain 122, 123 15. Lachainn Neill 124–128 16. Niall Mac-Gilleain 129–141 17. Seumas Mac-Gilleain 142–163 18. Iain Mac-Gilleain an Urbhaig 164–166 19. Piuthar Lachainn Mhic-Gilleain 167, 168 20. Catriona Nic-Gilleain 169, 170 21. Fear de theaghlaich Thorloisgte 171, 172 22. Cairistìne Nic-Gilleain 173, 174 [DA 4] [Blank] [TD 1] NA BÀIRD LEATHANACH. GILLEASBUIG MAC GILLEAIN. Archibald Maclean, Gilleasbuig Mac Lachainn Mhic Thearlaich, was born in Tiree about the year 1765. He was known as Gilleasbuig Laidir and also as Gilleasbuig Crosda. He was a high-spirited man, and frequently got into trouble. He was intensely loyal to his own clan. He lived at Kilmoluaig. He married Flora Maclean, by whom he had five sons, John, Archibald, Alexander, James, and Hector. He died about the year 1830. CUMHA Do Ghilleasbuig Mac Gilleain, Fear Chill-mo-Lubhaig. FONN.—“Gaoir nam ban Muileach.” Fhuair mi sgeula mo sgaraidh Mu ’n do mhiosaich an t-earrach, Gu’n robh m’ eudail ga ’bhannadh ’N ciste chaoil air a sparradh, ’S e air ghiùlan aig fearaibh ’S mnathan tùrsach dheth galach.— Dh’ fhàg a bhàs fo throm eallach na càirdean. Dh’ fhàg a bhàs &c. [TD 2] Nam bu bhàrd mi cho fasant ’S a tha ’n taobh so de Shasunn, Dh’ innsinn sios dhuibh an eachdraidh Mar a thàinig na gaisgich, Na fir òga, dheas, dhreachmhor, ’Choisinn cliù ’s cha bu mhasladh, ’S tha ’nis sgaoilte mar ghainimh na tràighe. Mo theinn chruaidh mar a thachair Gu bheil Teàrlach an tasgaidh, ’S fear ’s na h-Innsibh de d’ mhacaibh; ’S òg a ghabh e bhuainn astar; ’S iomadh aon a ghabh beachd air; Gu’n robh spionnadh na ’ghlacaibh; Bha e cruadalach, sgairteil, fior àlainn. Latha Nollaig so chaidh Bha na h-uaislean gun aighear Mu dheagh cheannard an rathaid Ga ’n robh leigeadh is gabhail. Gur a cruaidh leam an t-saighead ’Chuir ’s an uir thu na d’ laighe:— Ach de ’m fàth dhuinn ’bhith gearan na dh’ fhàg sinn. Bu tu coltas a ghaisgich ’Dheanadh gniomh anns a bhaiteal.— Taobh do chùil gu’n robh tlachd ort, Ceum bu rioghail air faiche, Gruaidhean mìn-dhearg, daithte, Beul na fìrinn ’s a cheartais; Cha b’ i ’n fhoill ’bhiodh ad bheachd nuair bhiodh mòd ann. ’S ann ad cheann a bha ’n riaghailt, ’S mòr an tuigse ’bha riamh ann.— Ged a ruigeadh na ciadan Gu ceann-uidhe na fialachd Cha bu doicheall a dheanteadh, [TD 3] Bhiodh gach ni mar a dh’ iarrteadh, ’S bheirteadh deoch mar bu mhiann agus ceòl dhaibh. Bha thu ’theaghlach nan curaidh ’Choisinn cliu ’s a fhuair urram; Leibh a dh’ éireadh gach duine ’N àm bhith ’tràghadh nam buideal. Bhiodh ur gillean air stuidear Ag òl fiona le furan; Ochain, thriall sibh nis uile air falbh bhuainn. Taing do Dhia mar a tha sinn Gu bheil mac ann a t’ àite, Slat de ’n iubhar a’s àille, Fiuran foghainteach, laidir. C’àit am faicear fear àilleachd, No fear spìonnadh a ghàirdein? Cha’n e breug tha mi ’gràitinn ’s cha bhòsd e. ’S iomadh baintighearn’ òg éibhinn Ann an Sasunn ’s an Eirinn ’S ann am baile Dhuneideann ’Chunntadh mìltean gun déidh orr’ Air son fhaotuinn mar chéile, Am flath eireachdail ceutach A ghrad thilleadh leis féin an luchd-tòrachd. Sguiridh mise ’s gun tàmh mi; Tha mo chridhe gu sgàineadh ’S mi a smaoinntinn mar tha mi Gun cheann-cinnidh, gun chàirdean A ni feum ann am chàs dhomh. Chaidh mo chuideachd a sgànradh, ’S luchd nu foille na ’n àiteachan comhnuidh. Bannadh, putting bands on. Sgànradh, scattering. Luch na foille, the Campbells. [TD 4] The Macleans of Boreray were the oldest branch of the family of Ardgour. Charles, second son of the second Neil Bàn, settled in Tiree. He had four sons, Neil, Archibald, Lachlan, and Donald of Kilmoluaig. Donald had three sons, John, Charles, and Archibald. Archibald succeeded his father in Kilmoluaig. He married Catherine, daughter of Donald Campbell of Scamadale, by whom he had three sons, Donald, Charles and John. Donald and Charles died in the West Indies. John succeeded his father in Kilmoluaig. He married Margaret, daughter of the Rev. Archibald MacColl, minister of Tiree. The late Sir Donald Maclean of New Zealand was his son. ORAN A rinneadh an deidh bas Dhomhnaill Mhic-Gilleain, Fear Chòrnaig an Cola. Fonn.—Cumha Fear Ile. Gur h-e mis’ th’ air mo leonadh Mu ’n dubh bhròn th’ air no chinneadh: Thug am bàs bhuainn Fear Chòrnaig, Uasal og ’san robh spionnadh, ’S a bha cinneadail, càirdeil, Agus bàigheil ri bochdan.— Tha do bhaintighearnan òga ’Dol air fògradh gun fhortan. Leam is truagh do bhean-laighe, ’S i gun aighear, gun sùgradh; Chaill i ’n céile ’bha taitneach, Dh’ fhàg i ’n tasgaidh ’san ùir e; Chaill i sin ’s a cuid bhràithrean, Na fir shàr ghasda, chliuteach.— ’S còir bhith striochdte do ’n Ard Righ Bho’n ’s e dh’ àraich bho thùs iad. [TD 5] Nam bu ni e ’bhiodh òrdaicht’ Do mhac òg a bhith t’ àite, ’Chumail pràdhainn ’san teaghlach Ann an s od mar a tha e, Is an t-oighre ’bhith buadhail Ann am buadhannan àrda, Ged nach faighinn-sa feum dheth, Leam a b’ éibhinn a chlàistinn. B’ fhearr gu’m bitheamaid taingeil Fo gach call, mar bu chòir dhuinn; Bhiomaid cinnteach a àite Mar-ri Slànaighear na tròcair’. Cha doir cumha ga ’r n-ionnsuidh ’N t-aon a dhùineadh fo ’n bhòrd leinn; Ach gu deireadh an t-saoghail Chithear daoine ri gòraich’. An am suidhe nan uislean ’S tusa bhuatha cha b’ fhiach iad; ’S tu gu’n cumadh an onair Anns gach coinnimh ’sam biodh tu. ’S e do chridhe ’bha soilleir, A dheagh sgoileir an sgrìobhaidh; Is mairg fine bho ’n d’ fhalbh thu, ’Fhir gun dorchadas ìnntinn. An am dol do’n taigh-chùrtach Ghabhteadh cùram dhe t’ fhacal; Cha bu bhòsd ’s cha bu bhreugan ’Chluinnt’ o d’ bheul ach an ceartas. Och is och, mar a tha sinn! Fhuair sinn fàth a bhith ’g acain; Dh’ fhalbh am flùr bh rr a ghàraidh Bho ’n la dh’ fhàillinnich t’ astar. Chaidh thu ’bhaile Dhuneideann ’Chur an géill dhaibh a cheartais; [TD 6] ’S thàinig bàta fo shiuil leat, ’S tu ga d’ ghiulan ad chorp innt’.— ’S iomadh aon a bha cianail ’Call nan diar gu trom frasach; Bu bheag ionghnadh dhaibh fein sud, B’ fhiach an fheudail a bh’ ac’ e. Ged a théid mi do Chola ’Dh-iarraidh cothroim ’san eucoir, ’S gann gu’m fuiling iad m’ fhaicinn Ach mar aiteal na gréine. ’S ann a tha mo chul-taice Anns a chaibeal gun éirigh, Far a bheil mo luchd-eolais, Na fir mhòr-chuiseach, threubhach. Gur a h-iomadh duin’ uasal, Fearail, suairce de m’ chinneadh, A tha ’nis air an sgaoileadh, Is nach faodar a thional. ’S cha b’ e olcas an nàdair Chuir na sàir ud gu iomall; Bha iad firinneach, baigheil, ’S bhiodh iad dàn anns an iomairt. ’S corrach bàta gun acair, Gun bhuill-beairte, gun chàbaill; ’S ionnan sin ’s mar tha sinne ’N déidh ar milleadh le gàbhadh. Bha sinn roimhe so ’n Dubhairt Mar bu shubhach le ’r cáirdean; Bha sinn cliuiteach mar fhine Gus ’n do mhilleadh Righ Tearlach. Tha ar cuid aig ar naimhdean, ’S iad gun suim aca dhinne; ’N la a’s fhearr ’bhios an slìobadh, Cha bhi ’n crìdh’ dhuinn ach fionnar. [TD 7] Ged bu shuarach dheth Bròlas, Thug e sòlas da’r cridhe Gu’n do spionadh e bhuatha Leis an uachdaran dhligheach. A dheagh Ailein nan Drimnean, Is mor iomagain do chàirdean Gu’n do dhealaich thu bhuatha, ’S iad gun uachdaran àrd orr’. Criosd gad choimhead ’s gad stiuradh Anns gach cùis ’sam bi gàbhadh: ’S b’ fhearr gum faicinn le m’ shuilean Thu ’bhith ’d Dhiùc Earra-ghaidheal. Nuair a thigeadh tu ’n dùthaich Gu’m bu chliuteach do ghnàthan, Bhiodh do phiobair’ ad chuideachd Re toirt urraim do d’ chàirdean. Bhiodh na mnathan ri òrain, Is fir òga ga ’n tàladh? ’S bhiodh na bodaich na’n sìneadh Air an driom anns gach àite. Saoil am fagainn air di-chuimhn’ Teaghleach prìseil Loch-Buidhe? Far an taoghaileadh luchd-tàmha, ’S bhiodh gach àit ann an uidhim. Bhiodh fion datht’ ann an òrdagh Air a bhòrd a bhiodh subhach.— ’M fear a chaisgeadh an ruaig bhuainn A bhith bhuainn ar sgeul dubhach. Am fear misneachail, dàna, Anns a bhlàr bu mhòr urram; Bhiodh an ruaig air do nàmhaid. Is e cràiteach bho d’ bhuille, Sàr cheann-taighe neo-sgàthach ’Bu mhath lamh air a ghunna; [TD 8] ’S iomadh aon a bha craiteach Bho nach dàinig thu ’Mhuile. ’S bochd mar dh’ fhògradh Sir Eachann As an fhearann bha ’n còir dha. Chuir sud sinn’ air an daonnachd, ’S fad ar saoghail bidh bròn oirnn.’ Do na fir a tha ’n làthair De ’n dream àrdanaich, mhòrail, Guidheam Criosda mar dhìdeann Bho luchd-mioruin ’s bho dhoruinn. Pradhainn, press of business, throngness. Donald Maclean of Cornaig in Coll was the fifth Maclean of Muck. He was married twice, and had five children, Lachlan, John, Florence, Mary, Ann. He died in Edinburgh in 1790. There was a lawsuit between Sir Allan Maclean and the Duke of Argyll about the small estate of Brolas. Sir Allan won the case. He got possession of Brolas in 1783. Capt. Archibald Maclaine, son and heir of John Maclaine of Lochbuie, was killed in 1784. AN CUBAIR COLACH Alexander Maclean, an Cùbair Colach, was born in Coll. He was an expert seaman. He was a cheerful companion and was highly respected. He was married and had two sons, Robert and John, and also two daughters. He died in Coll about 1838. His wife and children emigrated to Australia about 1842. One of his sons, John, settled in New Zealand. [TD 9] ORAN Air cuairt do dh-America. Ann an toiseach an fhoghair Ris a chuan thug mi m’ aghaidh le sunnd, ’Dhol a shealltainn an àit’ ’S a bheil na measan a fàs a’s feàrr sùgh; ’Dhol a shealltainn nan gillean A ghabh toiseach na linne a null, ’S a thoirt naidheachd gu ’n càirdean; ’S mur a till mi bidh pàirt diubh ga m’ thùrs.’ ’Fhir a chruthaich an saoghal Is a dh’ òrdaich na daoin’ os a chionn, Thoir dhuinn soirbheachadh feasgair, ’S sinn a gluasad o’n fheasdraich fo shiùil; Bi ga’r stiùradh gu cala, Na leig dhuinn dol am mearachd n ’ar cùrs’; Nuair a shéideas a ghaoth oirnn, Dhuits’ tha comasach faochadh ’thoirt duinn. Bi mu ’r croinn ’s mu ’r buill-bheairte Bi mu ’r cùl-stagh mu ’r rachdaibh ’s mu ’r sgòd, ’S gach aon bhall ’tha ’s an àrdraich, A toirt iomrachadh sàbhailt do ’n t-slògh ’Dhol a dh’ ionnsuidh an fhearainn Anns na dh’ullaich thu cheana dhaibh lòn.— Bi gach là ad sgéith-dhion’ orr’, Dean am faicinn air tìr is air dòigh. Nuair a chunnaic Thu ’n rioghachd so Gun dòigh aig daoin’ ìsle air ’bhith beò Gu ’n do bhrosnaich thu ’n spiorad ’Dhol a dh’ imeachd na linne fo sheòl, ’Dhol a shealltainn na dùthcha ’Chum thu ’m falach ré ùine romhòir, [TD 10] ’S nach bi bochdainn no ganntar Ged a ruigeadh na th’ anns an Roinn-Eòrp. ’Nis tha ’n fhàidheadaireachd soilleir ’Bha ’measg dhaoin’ o chionn iomadach bliadhn’ Gu ’m biodh cìobhlan a mheanbh-chruidh Ri bristeadh nan galla-chrann ’s nan cliath. Chìnn na h-uachdarain cosgail ’S tha an an tuath air fàs bochd leis a mhàl; ’S ann mu ’n caill e ’chuid itich Théid gach ian a bhios glic air an t-snàmh. ’Thi a chruthaich gach creutair, Cha ’n fheil ni nach bu léir dhuit o thùs; Tha thu riaghladh an ceartas, Tha gach uachd’ran fo d’ smachd is gach Prionns’; Is sàr bhuachaille treud’ thu, ’S e do ghealladh nach tréig air an cùl; ’S do gach neach ’tha na ’éiginn Gu bheil bealach lan-réidh ’s dol a nùll. Nuair a dh’ fhalbhas na daoine Is a chruinnicheas na caoraich mu ’n chrò, Bidh gach tighearna tìre ’Giùlan cromag a chìobair ’s a chleòc; Cha bhi ’m fonn orra b’ àbhaist ’S iad a cùnntas a mhàil air a bhòrd,— ’S ma thig stri air righ Shasuinn Bheir gach cìobair dha bragsaidh gu leòir. Ma thig cogadh do ’n rioghachd s’ Thig na Frangaich na ’m miltean a nall Is bidh amhach righ Deòrsa Ann an cunnart gu leòir bho ’n cuid lann. Nuair a dh’ fhalbhas na Gàidheil Le cion aodaich, is earrais, is lòin ’S olc an dion dha na Sas’nnaich, Ged robh ’m bronnaichean pacte le feòil. [TD 11] ORAN Do Bhàta d’ am b’ ainm Struilleag. FONN.—“Gur h-i bean mo ghaoil an Spainteach.” STRUILLEAG. ’S mise ’tha dheth tùrsach, cràiteach; ’S fada ’n so ’s a bhàgh leam fhin mi. Cha ’n fheil duine nach dug cùl rium, Dh’ fhag an Cùbair mi air di-chuimhn’. Seadh, ged ’s iomadh là de m’ shaoghal ’Sheol e mi fo aodach iosal.— Och mo chreach; gur truagh r’a smaointinn Nach h-fheil suim de m’ shaothair dhìlis. AN CUBAIR. ’S gòrach dhuit a bhith ri tuireadh, Cha ’n fheil culaidh ’s an Roinn-Eòrpa A gheibh cliù no meas bho dhuine Nuair a sguireas i de sheòladh. Tàirnidh mise suas gu tràigh thu Dh’ fhaighinn bàis am bàgh na smeòraich. Tha mi ’n dùil gu bheil thu pàight’ Air son gach là a shnàmh thu dhòmhsa. STRUILLEAG. Cha ’n i ’n aois a rinn mo lagadh, Ach thus’ Alasdair, ’bhith spòrsail; ’S a bhith ’dol an déidh té eile, Gus an deireadh a thoirt dòmhsa, B’ fheàrr dhuit na teanneadh ri caillich A bhith leanachd ri d’ shean-eòlas.— Till rium ’s bheir sinn sgriob am bliadhna Do ’n chuan shiar a dh’ iarraidh ’n Tòisich. [TD 12] AN CUBAIR. Fuirich gus an dig an t-earrach Agus fallaineachd na h-aims’reach, ’S bheir sinn turas eile fhathast ’Dh’ iarraidh bathair air na seana-Ghaill. Mur a dùblaich thu ’n Roinn-Ileach Air bheag sgios le aiseag sàbhailt’, Tàirnidh mi air creig air tir thu, ’S cha doir mi gu dilinn làmh ort. STRUILLEAG. Cha ’n fheil cùram orm an t-slighe ’Tha thu bruidhinn oirre ’sheòladh. ’N cuimhne leat an latha dh’ fhàg sinn An traigh bhàn an Innis-Eòghain. Tha mi ’n dùil nach gnothach amaid, No gniomh caile nach d’ fhuair eòlas, ’Rinn mi ’n latha sin;—a chlisgeadh Chuir mi ’n Dubh-Irteach fo m’ sgòdaibh. AN CUBAIR. Faire, faire ’n cluinn sibh Struilleag? Tha i uile air dol gu bòilich; Tha i toirt d’ i féin gach urraim, Gun ghuth air duine ’bha còmhl’ rith’. Nach mi fhin a bha ga d’ stiùradh, ’S tu air chùl nan tonnan mòra. Ged is tusa ’bha ga ’n reubadh ’S ann bhuamsa, ’s gach ceum, bha t’ eòlas. STRUILLEAG. Ged is tus’ thug mi a Eirinn, Bu mhath ’thillinn féin air m’ eòlas. ’S math a dh’ aithnich mi ’n Roinn-Ileach, S rinn mi direach air Maoldòmhnach. [TD 13] Nuair a chrom an ceò gu dùmhail, Leag mi mo chùrs’ air ceann Shòäidh, Thug mi ’m mach mo chala gnathaicht’ ’S dh’ achdraich mi aig bàgh na smeòraich. AN CUBAIR. Na creidibh facal de ’seanachas; ’S ann tha boil-mhearaichinn na h-aois’ oirr’; Cha ’n fhaca mi latha riamh i Nach feumadh i mias ga ’taomadh. Cha ghabhadh i ’n rathad dìreach. Mur a ciosnaichinn le taod i. ’S co-dhiu ’bhiodh ann fiath no séideadh, Cha deanadh i feum le aodach. STRUILLEAG. ’N cuimhne leat an latha duaichnidh ’Dh ’fhàg thu Loch-a-Tuath le spòrs leam? Cha robh bàta ’bha ’s an tional Nach robh gearanach gu leòir air. Theap thu mo chur ann am bhreislich Eadar Freasalan ’s ceann Shòäidh; Tha mi ’n dùil nach robh mi leisg dhuit ’S tu ga m’ ghreasad thar nam bòc-thonn. AN CUBAIR. Tha mi cuimhneachadh mar bha e:— ’N tusa bàta bàn a Chùbair? ’S iomadh turas math a rinn thu; ’S cha d’ fhuair mi riamh foill ad ghiùlan. Ged leig mi thu greis air di-chuimhn’ Tillidh mi le m’ chrìdh’ as ùr rìut, Cha leig mi sgreathadh air tìr Le té do gnìomh; bu mhòr an diùbhail. [TD 14] AN T-SABAID SHALACH Air do Dhomhnall Mac-Aonghuis, tàillear a bha ann an Cola, an daorach a ghabhail aig tiodhlacadh, chaidh e-fein agus fear-cinnidh dha a leum air a chéile. Bha an daorach air an fhear eile cuideachd. Bha Brog Chocte aig sluagh mar fhrith-ainm air an tàillear. Rinneadh an t-oran le Alasdair Domhnallach. Air do ’n Chùbair Cholach a chluinntinn chuir e na ceithir cheathrannan mu dheireadh ris. Bu ghraineil an cleachdadh a bhith ag òl aig tòrraidhean. Tha e na ’aoboar taingealachd gu bheiltear air sgur dheth. FONN.—Mo rùn geal og. Ach a Dhomhnaill Mhic Dhughaill Bu tu ’n diunlach ’bha treubhach; ’S iomadh aite ’n robh ainm ort Eadar Albainn is Eirinn. Mur a digeadh ort Ibhrig Bhiodh tu striochdt’ air dhroch ghréidheadh; ’S ann a dh’ fhag iad thu ’d shìneadh Air Cnoc-sgriob ann a feithe: Mo Bhrogag Chrom. ’S math ’thig bròg dhuit an cocadh Agus osan air fhiaradh; Ann am meadhon na cosgais, ’S tu nach b’ olc mar fhear-riaghailt, Sar dhrobhair nam mart thu ’Theid do Shasunn gu h-easgaidh; Agus sgiobair na mara Ri la greannach, fliuch, fiadhaich. [TD 15] ’S iomadh gòmag is bìdeag, Agus sgriobadh air shrònaibh, Agus glamhadh le fiaclaibh, Is cur ingnean an ordagh, ’Bh’ agad féin is aig Aonghus Ann an iorghuill na dòruinn, ’S sibh a leum air a cheile Mar choin dhréineach gun eolas. A Chlann-Aonghuis na Morairne Gu ’m bu gharbh sibh ’s a chòmhrag; Bha sibh foghainteach, calma, Laidir, ceann-bheairteach, dòrnach; Bha sibh math ann an Sasunn, ’Chur bhur neart le Righ Deorsa, Ged a theabas bhur tachdadh A tigh ’nn dachaidh bhàrr tòrraidh. Nan robh thusa fuar, fionnar, Bha do spionnadh mar b’ àbhaist; ’S mairg a thachradh roimh t’aodann Ann an caonnaig nan àrmunn, Ged fhuair Aonghus le buathadh ’S an droch uair ris an làr thu, Mu ’n dig deireadh na cùise Bidh e dubailte paighte. Ged tha ’chuis ann an teagamh, ’Tha mor eagal air m’ inntinn Gu ’n deid Aonghus a bhreabadh Mur a a teasraig mi-fhìn e. Ma bhios Iain an làthair, Gu ’m bi tlàmadh ann ’s cìreadh: ’S gu ’m bi cnapadh air shuilean Aig a Chùnnradh ’s aig Ibhrig. Ach thoir thusa fios bhuamsa Gu Ruairidh ’s gu ’mhàthair [TD 16] Gu bheil a bhrogag air sgaoileadh Agus feomach air càradh. Chinn i farsuing ’s an uachdar Agus chuag i ’s na sàiltean, Thainig toll air na fraochain, ’S laigh an t-aobran air làr aisd’. Cuid a Chùbair a toiseachadh. ’N raoir a chuala mi ’n taisgeal A chuir gaiseadh am leirsinn Gu ’n robh dròbhair nam mart aca Fo ’n casaibh na ’éiginn. Gur e ’fhuair dhaibh an t-urram Is a bhuidhinn an streup dhaibh, Do chùl ’bhith gun taice, ’S mac-na-bracha ’bhith ’leum ort. Bha thu ’n fhine nach striochdadh, Dhaindeoin mi-run luchd Beurla, Bha iad ainmeil ’an Sasunn ’Chur an neart le Righ Seumas; Luchd nan geur lannan glasa ’Chuireadh bras an ratreuta; An am bualadh nam buillean Gu ’m bu bhuidhinn ’bhith réidh riu. Bu tu sgiobair a bhàta ’Chuireadh bàirlinn fo ’sliasaid. ’S gur tu ’n giomanach gunna ’Dhol do ’n mhunadh a dh’ fhiadhach. Nuair a rachadh tu ’n fhireach Bhiodh do ghillean ’s do thriall leat; Bhiodh do mhial-choin air lodhainn, ’S cha bu ghnothach tigh’nn fiar ort. Bu tu iasgair na h-abhann, ’S cha b’ i chabhuil ’bu bheus dhuit [TD 17] Ach am morghath geur, sgaiteach, ’S crann snaidhte air a réir sin. ’S i do làmh nach déid ’mearachd Mur dean gainnead an léis e; Bradan tarra-gheal ’s glan lainnir Cha bhi ’chion air do cheile. DOMHNALL CUBAIR. Donald Maclean was born in Tiree about the year 1775. He was a cooper by trade, and was known as Domhnall Cùbair. He married Mary Macdonald, by whom he had eight children, Margaret, Mary, Marion, Catherine, Ann, Christy, Archibald, and John. He died in 1868. He was a brother of John Maclean, the poet. TUIREADH AIR SON A BHRATHAR Mo ghaol sgiobair a bhàta, Bha thu eolach ’s gach àite, Ghlac thu mhisneach ’bha sàr-mhath ’s tu òg. Gur h-e chràidh mi, gun fhios domh Saoir bhith sàbhadh do chiste, S a cur àird’ oirr’ a thiotadh gu falbh. Agus tàillear ga d’ dhreasadh ’Dhol ga d’ chur ann ad dheise, Dh’fheuch an togteadh ’san fheasgar leat seol. ’S truagh nach mise bha teann ort Mu’n do dh-fhàilnich do chainnt thu, Bheirinn lighich’ ga d’ shealltainn air bòrd. [TD 18] Ged nach deanadh sin feum dhomh, ’Thoirt a leigheas do chreuchdan, Gu’m biodh muinntir làn eibhnis ri ’m beo. Cha’n e sin bha mi ’g acain, Ach thu bhith ’d bhàt’ air a h-acair Is nach dug iad thu ’mach aisde beo. Nuair a thog iad bho thràigh thu, ’S tu air ghuaillibh nan càirdean, Cha robh piuthar no brathair ga d’ chòir. ’S goirt an t-saighead ’bha sàthte Anns a mhnaoi a rinn t’ àrach, Nuair ghlac Lachainn Mac-Faidein an t-òrd, ’Thoirt a bhùird bharr na ciste Mu’n dùinteadh fo lic thu Ged nach b’ ann thoirt dhuinn misnich na ’r bròn. Gu bheil t’ athair dheth deurach, Is a shùilean gun léirsinn, Bhith ga d’ chur air an deile cho òg. Tha do chéile gun mhisneach, Is do leanabh na ’criosan, ’S nach cuir thu’n diugh riof dhuinn ’san t-seol. Ach ’s còir taing thoirt do’n Ard-Righ Gu bheil mac ann a t’ àite, Nuair thig spionnadh na ’ghàirdean is treòir. Chaochail Tearlach Mac-Gilleain na ’bhàta, is e leis féin, ann an Tobar-Mhoire, mu ’n bhliadhna 1811. [TD 19] ORAN DO NA GRÙDAIREAN Luinneag. ’S an fheasgar cha do chuireadh mi; Bha ’n cùbair dubh gun fhuran ris; Ach ’nis gur h-e ’n t-aon duin’ agaibh, Bho ’n dh’ fhàs na buideil ao-dion. Gur tric mi dol a chùiltearachd Le banaraich nan grùdairean; ’S nuair théid mi tuille ’s dlùth oirre Bidh ’n cùbair air a ladhran. Bu bhinn leam féin a gleadhar Nuair shìnte dhomh fo chobhar i; ’Se ’n rud a dh’ fhàgadh fodha sinn, An clodha ’chur ’sa chaochan. Tha Mor-a-chadail beadarach ’S a bhuaile air an eadaradh; Le uisge beath’ nam feadanan Gu ’n leigeadh i na daoine. Cuir fòid a stigh gun dàil foipe, Is tarruinn caol stuth làidir aisd’; Biodh fios againn ma sgàineas i Mu ’n dèid an ceàrd do ’n Chaolas. Gu fòil thuirt Iain mac Dhùghaill rium A ghaoil cha ’n ann ga chaomhn’ tha mi, Ach eagal ’s gu ’m bi smùid oirnn, Is gur ni gun chliù an daorach. The occasion of this ditty was as follows: — The cooper was one evening at the brewery, but was not asked in; shortly after he had left, some of the kegs were found to be in a leaky condition, and he was immediately sent for to tighten them. [TD 20] AN T-IASGACH GEAMHRAIDH Hó mo nigh’n dubh, Hé mo nigh’n dubh, Hó mo nighean’s tu mo ghuamag. Gur h-e mise tha fo mhighean, Tha mi ’n so leam fhin ’sna cuantan. ’S olc an obair iasgach geamhraidh, ’S reothadh gu teann air an fhuaradh. Rud eile ’chuir ormsa miothlachd Geola chrion ’s nach ruith i luath dhuinn. ’S eiginn dhuinn tarruinn an Lìte, ’S cutter an righ oirnn air fuaradh. Ged is i ’n nochd oidhche challuinn Cha deid mi ’ghabhail mo dhuain duibh ’S truagh nach mise ’bha ’san aite ’M bi buille bhàiridh ga ’bualadh. Mo chaman tha ’n coill’ a bharraich, ’S cha déid a ghearradh le tuaigh aisd’. Mo bheannachd a chum mo mhàthar, Bho’n a bhios mi ’ghnath na ’smuaintean. ’S mo shoraidh a dh-ionnsuidh mo leannain, An oigh cheanalta gun ghruaman. ORAN AIR A CHUTTER Luinneag. S e gaol t’ fhearainn, gradh t’ fhuinn, ’Thug gum falbhainn idir leat; ’S e luaidh do chruidh dhruim-fhinn dhuinn ’Thug dhomh suidhe lamh-riut. [TD 21] Latha dhuinn bho bhun an stòir, A seoladh gu curaideach, Chunnacas an cutter fo sheol ’S i tigh’nn oirnn gu gabhaidh. Air an trompaid thug i fuaim, Chuir i ’suas a cularan; Labhair sinne ’n sin gu luath Ghluais sinn a Caol-Amhainn. Gu’n do loisg i oirnn da uair Gu ’r gluasad gu fuireach rith’; ’S mur digeadh am pìc a nuas Cha d’ fhuair i tigh’nn lamh-ruinn. Bha tombac’ againn air bord, Seorsa bathair smugalaidh; ’S gu’n do lub sin sud fo ’n t-seol, Fo chrann-spreot’ a bhàta. Rind sinn gach ni mar a dh’ fhaod, Thaom sinn na buidealan; ’S chuir sinn an siucar ’s an ti Sinte fo ’n fhàradh Car-son nach do dh-fhan thu rium ’Chiad uair ’chuir mi’n gunna riut? Thuirt an sgiobair aice ruinn, ’S e ’maoidheadh gu dàn oirnn. Shiubhail e shios agus shuas, ’S cha d’fhuair e na duilleagan; Bha iad anns a bhriogais ruaidh Suainte fo ’n chàball. [TD 22] AN IMRICH. Luinneag. Ho ro, ho ro o, ho i o, ho ro i, Ho ro, ho ro o, ho i o, ho ro i, Hithill u, hillinn o, agus ho ho ri i, Cha mhór nach coma leam cogadh no sìth. ’S i ’n imrich tha ciatach am bliadhna ’rinn mi, Gur sàbhailte fiar dhomh ’san lianaich ud shios; ’S nam faighinn luchd speallaidh a ghearradh gu grinn, Gu’m pàigheadh e ’m màl ged nach h-àitichinn sgriob. ’S ge boidheach a h-aogasg tha gaoid anns an fhonn, ’S gu’m feum i da thuirpe mu’m faicear i ’m fonn; Tha riasg agus cuilc agus uisge fo ’bonn; ’S am Màrt chur an t-sìl bidh an sgriob againn trom. ’S ann thubhairt an gobhainn ’bha foghainteach riamh, “Dean suas do chuid dhreallag, gach amull ’s gach iall, Nì mi’n soc dhuit a chàradh ’s gun tàth mi ris sgiath A thionndadh na sgriob’; saoil an till e roimh riasg?” Tha goibhnean na dùthcha so fiughantach còir, Gu’n d’ fhuair mi sgeul ur gun dug aon fhear dhiu ’n cleoc; ’S ann duitse bu dual sin ’n àm bualadh nan òrd, Do ghreim a bhith cruadalach, smuais a bhith d’ dhòrn. Ge math sin am fiarach cha dean e dhomh stàth, Cha chum e mo chuideachd ach ’s cuideachadh è; B’ fhearr tacan a ruamhar an cluanaig no dha, ’S nam faodainn a threabhadh ’s e gnothach a b’ fheàrr. ’N t-each dubh a bh’ aig Calum bu cheanalt’ an éill, ’S an capull aig Dòmhnall ’s i còir as a dhéidh; ’N t-each buidhe ’bh’ aig Ruari b’ e gualann an fheum’; Cha’n iarradh e ’bhualadh ’s bu luaineach a cheum. [TD 23] Bu mhath a bha mise mur bhith an t-each ruadh Aig Ruari Mac-Dhòmhnaill, b’ i ’chòir a chur bhuam; Ged theid mi do Sgairinnis ’thoirt cainb as a nuas, Cha chùm mo chuid chàball ri sàs an eich ruaidh. DOMHNALL BAN MAC-GILLEAIN. Donald Maclean was born in the Ross of Mull about the year 1780. He was known as Domhnall Bán na Lìoba. He was married, but had no children. ORAN Do Dhotair Ailein Mac-Gilleain as an Ros Mhuileach, an uair a bha e dol air chuairt do’n eilein Sgitheanach agus a chaidh cunnart bathaidh air. Luinneag. O soraidh slàn do ’n àilleagan A ghluais an tùs an ràidhe bhuainn; Mo dhùrachd thu thigh’nn sàbhailte Gu fàilteachas do dhùthcha. Tha ionndrainn bhuainn ’s an àite so, Gur fada leinn o’n dh’ fhàg e sinn; ’S e Dotair Ruadh nam blàth-shùilean; Tha fiamh is ailleachd diùc air. Gur bliadhna leinn gach seachdain Bho na thriall thu bhuainn do Thalasgair: Gu’n dàinig fuachd is gaillionn oirnn; Gur fada leinn an ùine. Gu’n d’ fhuair sinn sgeul bu duilich leinn, An àm bhith fàgail Mhuile dhuit, [TD 24] Gu’n d’ fhuair thu deuchainn chunnartach, ’S bu mhuladach sud dhuinne. B’ e sud an sgeula craiteach dhuinn Nan cluinneamaid gu’n d’ bhàthadh thu; Tha m’ inntinn air a h-àrdachadh Bho’n thainig thu gun chunnart. Gur h-e mo rùn an caiptin Air an dig na h-airm gu fasanta; Thig claidheabh caol an tarsuinn ort, ’S thig gunna glaic nach diùlt dhuit. Gur math thig deis’ dhe ’n sgàrlaid, ’S i ùr o laimh nan tàilleirean; Mar ròs am meadhon gàraidh thu, ’S e fàs an am na dùlachd. Do chalpannan geal fìnealta. Mar bhradan ann am fior-uisge; Troigh shocrach am bròig dhionaich thu, A bhiodh an sioda dùnadh. The sealladh sèimh na maighdinn ort, Tha deanamh cruaidh an t-saighdeir ort ’S do chridhe mar an daoimean ’Deanamh soillse measg gach cùinnidh. Nam faighinn fhin mar dh’ òrdaichinn Do rogha céile pòsd’ agad Le oighreachd fhearainn shònraichte, ’S ann dhòmhsa nach biodh cùram. Bu chinnteach mi a àite dheth Nam ’b urrainn mi a phàigheadh dhuit Is ged nach biodh am màl agam Gu’m faighinn dàil is ùine. [TD 25] Is slat de ’n abhall phrìseil thu; Bu dosrach an àm cinntinn i, Ged ’tha i ’nis air crìonadh; Cha’n fheil nì air nach dig mùthadh. Bu lighiche bha sàr-mhath thu, Nuair dh’ fheuchadh tu le d’ làmhan sinn Mar fhiadh a bhiodh air fànas Bhiomaid slàn a chum ar tùrna. Gach greim a bhiodh ’san fhearann so, Gach tinneas cléibh is anshocair Gu’n léighseadh tu le d’ cheanaltas Nuair ’thigeadh t’ anail dlùth dhuinn. Fànas, a void space. ORAN Mu na gillean òga a chaidh do’n arm. Luinneag. ’S gann gu ’n tìll sinn a chaoidh, Dh’ fhàg sud m’ inntinn fo mhulad; ’S gann gu ’n tìll sinn a chaoidh. ’So an dùthaich a dh’ fhàs brònach, Dh’ fhalbh na gillean òg’ aisd’ uile. ’S iomad te mu’n cualas réiteach A bhios greis as eugmhais duine. Drum’ a beatadh ’s piob ga ’gleusadh, ’S sinn a dol na’r n-eideadh uile. Nuair a ràinig sinn an t-Oban, Thréig ar n-eòlas sinn gu buileach. [TD 26] Nuair ’rainig sinn Ionaraora, Shaoil sinn gu’m b’ e ’n saoghal uil’ e. Nuair rainig sinn Caisteal Shruileadh, Fhuair sinn niònag òg an urra. Gur h-i Sìne bhàn nigh’n Deorsa ’N nionag òg a ’s bòidhche ’n Lunnainn. ’S fheudar a glanadh ’s a sgùradh, ’S a bhith cùramach mu ’muineal. Nuair rainig sinn sraid Dhuneideann, Dh’ fheumamaid an ceum a chumail. Long air acair ann an Lìte, Théid sinn innte thar na tuinne. Dhol a nunn do Rugh’ an-Dòchais, Còmhlan boidheach ’mhuinntir Mhuile. Fhuair sinn sgeul a dh’ fhàg sinn cràiteach, Moch Di-màirt an tràth cur umainn. Loch-nan-Eala ’dol ga’r fàgail, ’S mac a bhràthar dol do Lunnainn. Sasunnaich a tigh’nn na’n àite; ’S ciod a bhàigh bhios aca ruinne’. ’S truime mo chridhe na ’n luaidhe, Nuair chluinneas mi fuaim na druma. Gheall an coirneal againn fòrlach; Fath mo leonaidh, b’ fheudar fuireach. ’S ann am Muile nam beann fuara Tha mo luaidh ’s a sluagh a fuireach. ’S docha leam i na mo mhathair A tha ’n diugh cho cràiteach umam. [TD 27] AM BARD MAC-GILLEAIN. John Maclean was born in Tiree, January 8, 1787. He received a fair education. He could read and write Gaelic and English. He was a good penman. He married in 1808 Isabel Black, by whom he had six children, Christy, Charles, Archibald, John, Allan, and Elizabeth. He travelled through the Highlands and Islands about 1815, collecting songs. He published his own poems and some poems by others in 1818. He came to Nova Scotia by the ship Economy of Aberdeen in 1819. He settled at Bail’-a-Chnoic in Barney’s River, Pictou County. He removed to Glenbard, Antigonish County, in January, 1831. He died January 26, 1848. The poems that he composed in America were published in Antigonish in 1856. The whole of his secular poems were published in Clàrsach na Coille in 1881. His hymns were published in the same year. He was known in Scotland as Bàrd Thighearna Chola and in America as Am Bàrd Mac-Gilleain. [TD 28] ORAN DO THIGHEARNA CHOLA, Air do ’n Bhàrd litir-urrais fhaotuinn bhuaithe, agus e dol do Ghlaschu a dh’ iarraidh stoc leathrach. FONN.—“A chomuinn rìoghail rùnaich.” Gur neònach dhomh bhith dìomhanach, Gun inntreachadh air dàn Mu chliù an uasail phrìseil ud Tha ’m Breac-Achadh na fiachalachd; Am fear ’thug dhòmhsa ’n cuimhneachan Nach diochuimhnich mi dha; Is ann a ràinig mi dà uair e ’Dh’ fhuasgladh air mo chàs. ’S e féin an t-uachd’ran urramach, Cha ’n urrainn duin’ a radh Gu ’n dìobair e na leanmhuinnich A thagras ris is earbs’ ac’ as. Nuair dh’ fhiosraich e le seanachas diom, ’S a thug mi dearbhadh dha, Gu dé mo reusan dol na ’dhéidh, Bu ghrad a cheum na m’ phàirt. Cha neònach leam ged ’rinn e sud, Nan cuimhnicheadh e gnàths Nan uaislean o’n do ghineadh e, ’Bha fearail, daimheil, cinneadail, ’Bha calma ’n àm na h-iomairte, ’S neo-ghioragach gun sgàth: ’S e ’n cruadal fèin an àm na h-éiginn ’Rinn dhaibh feum gu ’n geàrd, Gur h-iomadh buaidh r’a h-ìnnse ’Bh’ air an t-sìnnsearachd o ’n d’ fhàs Am faillein maiseach fìnealta; Bu choille ’bha gun chrìonaich innt’ [TD 29] Na Leathanaich shean rìoghail; ’S iad nach strìochdadh gun cheann-fàth: Fir gun athadh ’n aodann ghathan Ann an cath an àir. Bu tric a dh’ fheuch an gaisgeach ud, Iain Garbh, a neart ’s a chruas; Bu sheobhag luath gu reubadh e, Bu leoghann colgarr’ creuchdach e ’An Grisiboll nan euchdan, Is e toirt le ’thréine buaidh: Sheas e ’aite, ghlèidh e ’n làrach, ’S ghabh Clann-Nèill an ruaig. Gur h-iomadh curaidh neartmhor A bha ’m Breac-Achadh le buaidh; Gur lionmhor blàr ’s na thaisbeanadh Le Lachainn a chruaidh sgairtealachd, An saighdear sin bu bheachdaile De mhacaibh Eachainn Ruaidh; Bhiodh e dàna ri uchd nàmhad, ’S làn de bhàigh ri ’thuath. ’S e Tighearna Chola ’n diùlannach ’Tha fiùghantach na ’ghnàths; Tha fearalachd a còmhnuidh ann, Tha onair ann is mòralachd, Tha gliocas agus eòlas ann ’S tha ’m fòghlum aige ’s feàrr. Gnùis na féile, com nam beusan, Fear nach geur mu ’n mhàl. Bu mheasail aig Braid-Albainn Am fear ainmeil ’tha mi ’luaidh, A dhaoine treuna, colgarra, A bhuidheann chliùiteach dh’ earb e ris, ’Thoirt facail dhaibh gun chearbaiche, Gu smachdail, calma, cruaidh: [TD 30] ’S e ’bhiodh dìleas leis a mhìle ud Nam biodh strì mu ’n cuairt. ’S lionmhor gniomh is gaisge A tha ’n taice ris le céill. Gur nàmhaid féidh is earba e, Le ’ghunna caol neo-dhearmadach, A siubhal ghleann is gharbhlaichean, ’S a choin a falbh na ’dhéidh. Spòrs neo-ainneamh aig’ ’sna beannaibh Na ’chuid fearainn fhéin. Gur sgiobair ri là gaillinn e Nach aineolach mu stiùir. Mar steud-each lùghar, astarach ’S an réis, ’s e dian luath, tartarach, Bhiodh iùbhrach éibhinn, adfhuinneach A marcachd thar gach sùigh. Dh’ fhàgadh Hobart bhàn gach bàta, ’S i bhith làn na ’siùil. Nuair choinnich Mac-Mhic-Eòghain e ’S an Oban aig a bhàl, ’S a dh’ fhalbh iad leis na bain-tighearnan A dh’ fheuchainn bàta ’Chaimbeulaich, Gu ’n d’ mhaslaich e ga ’h-anntoil i, A reubadh thonn gu dàn. Fhuair e suas oirr’ air an fhuaradh, ’S chuir e cuairt gu ’sàil. Slàn iomradh ré a làithean air, ’S a chliù a ghnàth ’dol suas. Nam bithinn ’san taigh-thàirne Mar-ri cuideachd shunndaich mhànranaich, Gu ’n òlainn a dheoch-slàinte Is gu ’m biodh i làn mu ’n cuairt. Am fiùbhaidh gasd aig’ a bheil tlachd ’S gach ni ’tha ceart ’s bu dual. [TD 31] ORAN DO THIGHEARNA CHOLA, Nuair a cheannaich e Eilean-nam-Muc. FONN.—“’S i deoch-salinte ’n righ a’s fearr leinn. Thàinig naidheachd a Dunéideann, Thug an sgeula dhomh toilinntinn, Gu’n deach Alasdair air chuairt, An diugh a chuala mi le cinnt’ e Nuair a chaidh e ’m measg nan uaislean Fhuair e buaidh air na bha cruinn ann; Thug e dhachaidh còir an àite Ged a b’ fhada càch a strì ris. Bha gach tighearn’ air son fhaotuinn ’S iad ga ’dhaoradh ann am prìs air. Cha robh ’n gnothach dhaibh na ’shùgradh Bho’n a ghlachd e ’chùis na ’inntinn: Bhiodh e dimeasach ri ’bheò leis, Bho’n a bha e ’n còir a shìnnsre, Gu’n leigeadh e bhuaith’ an t-àite. Ged a dh’ àrdaicheadh e mil’ air. Rinn e gniomh a bha neo-chearbach, ’S math gu ’n d’ fhalbh e air an t-saothair; Bha mòran cruinn de luchd-airgid, Thug e tairgse ’chuir mu sgaoil iad. Aige féin tha ’n t-eilein bòidheach, ’S fad o ’n bha e’n tòir air fhaotuinn; ’S iomadh aon aig an robh sùil ann. Nan leigteadh ga ’n ionnuaidh saor e. Tha ’chuid tuatha uile air sòlas Ris an dòigh ’s a bheil e ’gluasad: ’N oidhche ’thainig fios ga’ n ionnsuidh ’Thaobh na h-ionndrainn a bha uatha [TD 32] Chìt’ a deàrrsadh ris na speuran Teinntean éibhnis air gach cruachan, ’S iad ag òl air a dheoch-slàinte De’n dibh làidir ’bha gun truailleadh. Bu bheag ionghnadh mar a bha iad ’Gòl deoch-slàint’ an àrmuinn uasail; An cùl-taic’ ri uair am fàilinn Nach faic càs orra gun fhuasgladh; Tha e iochdmhor làn de cheartas, Cha b’ e chleachduinn a bhith cruaidh orr’ Uachdaran cho math ’s a tha ’n Albainn, Ged a sheanachaisteadh mu’n cuairt iad. Gur a h-ainmeil am measg sluaigh e, ’S aobhar uaill d’ a chinneadh mòr e, Clann Ghilleain a bha lionmhor, Na fir rioghail dha ’n robh mhòrchuis. Cha do dh’ ionnsaich iad, le giorag Ann an iomairt no ’n tùs còmhraig, Gu ’n tàirneadh iad ceum an t-slinnein; ’S grad a thilleadh iad an tòrachd. Bha iad misneachail le cruadal ’Dh’ fhaotuinn buaidh ’s a h-uile còmhdhail, ’S fad’ a chluinnteadh fuaim an clàidhean ’Gearradh chnàmh is fuil ga ’dòrtadh. ’S e fear aca ’bhuaill a bhuille Fhuair an t-urram latha Lòchaidh.— ’S e na thuit diubh ’n Inbherchéitein ’Thug an dìth orra ’s bu mhòr e. Fhuair e ’nis a dh’ ionnsuidh làimhe Mar a b’ àill leis o Chlann-Dòmhnaill; Bhuannaich e air ais le ’thapadh Na thug Lachainn daibh le gòraich. Leanar tuilleadh ris an àite, ’S ann a cheanglas an Tighearn òg e [TD 33] Ris a chrùn gu daingeann làidir, Gun dad fàilinn o Righ Deòrsa. Ma bhios Eòghan fearail, cliùiteach, Mar bu dùthchas da o sheòrsa, ’S e a leanachd an deagh chleachduinn ’Tha e ’faicinn, mar bu chòir dha, Bidh e ’meudachadh na h-oighreachd, Gun a cur an cuingid òirleach.— Ceum air adhart dha, mo dhùrachd, Biodh gach cùis a dol ri bheò leis. ’S lionmhor caraid ann an Albainn Aig fear ainmeil nan deagh dhoighean, Nam biodh uireasbhuidh no feum air ’Dheanadh éirigh leis gu ’chòmhnadh;— Fineachan tha làidir treubhach, ’S iad nach géilleadh anns a chòmhrag; Bhiodh iad dian mar theine lasrach Roimh ghaoith bhrais a losgadh còmhlaich. Tha ceann-feadhn’ an Loch-a-Buidhe Thigeadh uidheamach na ’chòmhdhail, Le chuid daoine féin mu ’n cuairt da Air an tarruinn suas an òrdagh. Dh’ éireadh a duthaich shil Eachainn Na fir bheachdail, neartmhor chròdha, Daragan nach gabhadh lùbadh, ’S cha bu chùram daibh cion eòlais. Gu ’m bu luath leat Mac Mhic Eòghain Le ’fhir theòma, ghuineach, dhàna, ’Dheanadh euchdan anns a chaonnaig, ’Gearradh smuais’ le faobhar stàilinn; Mac.Leòid Dhun-Bheagain ’s a dhaoine Nach bu tais ri aodann làmhaich; ’S Mac Dhomhnaill Duibh le Clann-Chamaroin, Buidheann cholgarra ’san àraich. [TD 34] Gu’m a slàn do ’n àrmunn ainmeil A dh’ ùraich seanachas an drasd dhomh; Gu’m a buan am fear a cheannaich Bho Mhac ’Ic Ailein an t-àite.— ’S mi gu’n cosgadh i le sòlas, Ged a chuirinn òr ga ’pàigheadh, Deoch-slàinte ’n Alasdair euchdaich, Mo chùll-taic’ nuair ’thréigeadh càch mi. DO THIGHEARNA CHOLA. Air do Thighearna Chola bhith air chuairt anns an eilein Sgitheanach, agus ag coiseachd ann air feadh na h-oidhche, thuit e leis na creagan, agus bha e ann an cunnart bàis. FONN,—“Gur h-e mise th’ air mo chràdh.” Thàinig naidheachd do ’n tìr Nach bu mhisd sinn ga ’r dìth, Ged nach biodh i cho fior Bha i muladach dhuinn: ’S ann a chualas le cinnt Gu bheil Alasdair tinn fo éislein. Gu bheil’ &c. ’S mor mo chùram an dràsd Gur h-e teachdair’ o’n bhàs Thàinig ealamh na ’dhàil Is a leag e gu làr Leis na stallachan àrd, ’Cur nan saighdean an sàs gu geu ann. Tha e cruadalach leam A bhith ’smaointinn ’s gach àm Gu’n do bhuail iad na ’cheann Is na ghualainn ’sna ’làimh [TD 35] ’S gu’n do thuit e ’sa ghleann, ’S e gun chlaisteachd gun chainnt, gun lèirsinn. Gur a soilleir a bheàrn As ar cinneadh gu bràth Mur a h-éirich e slàn Bho na h-acaidean cràidh.— Co a ghabhas ar pàirt Ged a chaithear gach là oirnn eucoir’. Ma ’s e so a cheann-crìch’ Bidh sinn tursach ga ’chaoidh; Ar cùl-taic bidh ga ’r dìth. Cha robh duin’ ann r’a linn. ’Dh’ fhaodadh tamailt ’thoirt duinn Bho ’n ’bha esan na dhion mar sgéith dhuinn. Gur h-e ’n turas gun bhuaidh A thug Alasdair bhuainn, Nuair a chaidh e air chuairt Leis a bhàta mu Thuath:— Cha ’n e cunnart nan stuadh ’Dh’ fhág a chinneadh cho truagh mu dhéibhinn. ’S truagh nach robh mi ga ’chòir ’S a bhith sgileil gu leòir, Ann an ionnsachadh mòr Mar na Muilich nach beò:* Dheanainn leigheas d’a leòin. ’S bheirinn fuasgladh da dhòruinn chreuchdaich. Tha mi smaointinn gun tàmh Thu bhith ’d shìneadh ’sa chàrn, ’Fhir a dh’ fhuasgladh mo chàs.— Craobh de ’n abhall a b’fheàrr A rinn cinntinn fo bhlàth Anns a choille a b’àirde geugan. [TD 36] Tha do thuath anns gach àit.’ Fo throm mhulad an dràsd; ’S goirt an gearan gach là ’S cha bhith sunnd ac’ air stà Gus an déid thu na’s feàrr:— ’S beag an t-ioghnadh ged tha iad deurach. Bu tu ’n t-uachdaran gasd, ’S mòr an uaisle bha ’d’ bheachd: Bha thu reusonta, ceart; Bha thu caoimhneil le tlachd Ris gach aon ’bhiodh an airc; ’S tu nach togadh na mairt an éirig. Tha mo dhuil anns an Tì A tha riaghladh gach nì Gu ’n dig ath-sgeul ’bhios binn Is gu ’m faic sinn a rìsd Ann an spionnadh gun dìth, Mar bu mhiann leinn na d’ thìr féin thu. * The Beatons of Mull were famous doctors. They wrote on medicine in Gaelic and Latin. DO THIGHEARNA CHOLA. Air do’n Bhàrd mòran de dh-àrain a chruinneachadh ’feadh na dùthcha chaidh e leotha do Dhunéideann, ann an dùil gu ’m faigheadh e cuideachadh gu ’n cur am mach bho ’n Chomunn Ghàidhealach. Cha dug a chuideachd fheumail sin mòran misnich dha. Nuair a dh’fhag e ’n taigh bha dùil aige gu ’n tachradh Tighearna Chola air an Dunéideann; nuair a ràinig e, ’s ann a bha esan an Sasunn. [TD 37] FONN.—“Tha tasgaidh bhuam an diomhaireachd. An ceanna-bhaile na rioghachd so Tha uaislean suairce siobhalta ’Tha ’n tòir air cainnt an sìnnsearachd A chumail suas, ’s nach diobair i. Ged leigeadh treis air dichuimhn’ i Gu bheil i ’nis air cinntinn Anns gach tìr ’san robh a h-eolas. Gu bheil i nis &c. Bha cuid de dhaoine ’g ìnnse dhomh Nan cuirinn cruinn an sgriobhainnean Na h-òrain bhlasda phrìseil sin A dh’ fhàg na bàird mar dhìleab dhuinn, ’S a gheibhear anns na crìochaibh so, Gu ’n dugteadh duais is fiachan dhomh Bho ’n Chomunn rìoghail, chòir ud. Ged sgrìobh mi sios na ’h-ealaidhean Bho ’n ràinig mi ’s mi aineolach ’S nach robh fear-daimh no caraid ann A ghabh mo phàirt, no ’shealladh orm, Cha dug iad mòran geallaidh dhomh, ’S ann ’thuirt iad, “rinneadh mearachd oirnn Ga ’r mealladh anns an t-seòl sin.” Gur h-ann an sin a dh’ ionndraich mi ’M fear ruadh dha ’n dual bhith ceannsgalach ’S a sheasadh ’n àm na teanntachd mi Am measg nan uaislean Gallda sin, ’Bha ’g imeachd air na cabhsairean, Ged bha mi tric a sealltainn orr,’ Cha ’n fhaicinn ann an Còirneal. ’S e sud an laoch a chliùthaichinn ’S an dàn le ìnntinn dhùrachdaich; [TD 38] An sàr dhuin’ uasal ionnsaichte. Gur caoimhneil, bàigheil, cùirteil e Na ’thalla fialaidh fiughantach ’S gur pailt gach nì fo stìubhartaibh ’Chur rùm na cuirm an òrdagh. Nuair bhiodh na h-uaislean cruinn aige, Na’n suîdh’ aig bòrd na dìnnearach, Bu shiùbhlach meòir nam pìobairean A cluich air feadainn lìomharra Gu fonnmhor sunndach, ìnntinneach, ’S gach deoch bu bhlaisde brìoghalachd A dol an gnìomh nas òr-cheard. Bhiodh òl mu ’n bhòrd gu toirbheairteach Gun airc, gun seòrsa ’teirgsinn ann, Gach aon bhiodh sunndach, seanachasach, Gun leòn, gun bhròn, gun dearmail orr’. Gach nì bhiodh mar a b’ iomchaidh dhaibh ’S an teaghlach ghreadhnach, shuilbhearra ’S an caitht’ a chuirm le sòlas. A theaghlach tha mar bhuineadh dhaibh, Le ’n tlachd ’sa bheus a chunnaic iad; Gur caoimhneil a toirt cuiridh iad, Gur bàigheil a cur furain iad; Gur h-ainmeil aig luchd-turais iad, Gur tric daoin’ uaisle urramach Air chuairt a fuireach còmhl’ ris. Gach nì tha ’ghnàth gun uireasbhuidh ’S an tùr ’an lionmhor uinneagan:— Dh’ athnuadhaich e bho ’n uiridh e, Gur bòidheach mar a chumadh e, Gu ceàrnach, stuadhach, turaideach; Air àirde chuir e tuilleadh ris ’S gu’n d’ fhàg e ’mhulach còmhnard. [TD 39] Nuair ’thilleas e do ’n rioghachd so Gu aitribh a chur dìon’ oirre, Gu ’àite-còmhnaidh ìnntinneach, Théid mi a null is chì mi e, Is gheibh mi caoimhneil dìleas e; Cha bhith mo shaothair dìomhanach; Théid i gu crìch le ’comhnadh. DO RAONALL DOMHNALLACH TIGHEARNA STAFA, Nuair a bha e ’n lagh ris an Robastanach, airson eucoir a dheanamh air daoine bochda a bha e ’toirt do dh-America. FONN.—Gur mise tha gu fastalach.” Gu’n robh mi treis a fuireach Dh’ fheuch an cluinninn dad bho chàch, Ach bhò nach d’ rinn iad ullamh e Cha dean mi tuilleadh tàimh. Gu’m bi mi nis a tòiseachadh Gu seòl a chur air dàn.— ’S ann ’shaoileadh neach gu’n d’ fhalbh Na bha de sheanachas aig na bàird. Is cinnteach mi nach d’ fhalbh e, Ged thug dearmad orr’ an dràsd Gun Raonall òg a chuimhneachadh Dha ’bheil an inntinn àrd; Am fear a tha cho saothrachail Air son nan daoin’ ’tha ’n càs, Ri toirt a mach a cheartais daibh, ’S tha sin na ’bheachd a ghnàth. ’S e féin am fior dhuin’ uasal Air nach faodar gluasad ceàrr, [TD 40] De Dhòmhnallaich a chruadail ’S tric a bhuannaich anns na blàir; Gur h-ann air Staffa ’staoilear e Ma dh’ fhaighneachdas sibh e, ’S tha ’n oighreachd sin am bann aig’ Fhad ’s a bhuaileas tonn ri tràigh. ’S fear-lagha fiosrach ionnsaicht’ e ’Fhuair cliù ’s bu dù sinn da: Tha gliocas tuigs’ is riasantachd Na ’chridhe fialaidh blàth. Gur glan a dhearbh e ’fhiachalachd Nuair ’sheas e dìleas, dàn, Air taobh nan daoin’ a chiosnaicheadh ’S iad air an luing an sàs. Bha ’n Robastanach eucorach Ga ’n éigneachadh air bòrd; Chuir e gu mòr an teanntachd iad, Gur gann a dh ’fhan iad beò. B’ i sin an naidheachd uamhasach, Bha ’n tuagh aige na ’dhòrn, ’S e maoidheadh air a cheann ’thoirt diubh Mur tionndadh iad ga ’n deòin. B’ e òrdagh teann do ’n stiùramaich’ An cùrsa ’chur mu ’n cuairt; Is b’ éiginn daibh a sgrìobhadh dha Gu ’n d’ thill iad ri an-uair. Gu dalma bhrist e ’chumhnantan, ’S an cuid ga ’spùinneadh bhuap’.— Cha tric a chunnacas aintighearna Cho gionach, aingidh, fuar. Nuair chuala Raonall Dòmhnallach Mu ’n t-seol a rinn a bhéist, ’S mu fhulangas nan Gaidheal [TD 41] Gu ’n do rinn a nàdar leum, Gu dian na ’aghaidh thòisich e Ri cònnsachadh gu geur, ’S cha sguir e dheth ’s am fògrar e Gu còrsa Bhot’ney Bay. Nam biodh na h-uaislean eile Ann an eireachdas d’a réir, Bhiodh meas ac’ air an ìochdarain, Is dh’ ìobradh iad an spréidh. Nam biodh iad mar bu chòir dhaibh. Ann an tròcair, iochd, is eud, Cha leigeadh iad an t-uallach so Mu ’ghuaillibh-san leis féin. A dh’ aindheòin eucoir ’s aingidheachd Thig e ri àm an àird: Tha beannachdan nam mìltean leis ’S e toirt do ’n fhìrinn gràidh. Na bochdan tha gu dùrachdach Ag ùirnigh leis gach là; ’S tha ainm am beul gach dilleachdain Mar charaid dìleas, blàth. DUANAG Do Mhaighstir Iain Mac-Gilleain, ministear Chola. FONN.—“S iad mo rùn na fir gheala.” Thoir mo shoraidh le dùrachd Thar an aiseig a null Gu Maighstir Iain tha ’n tùr Airileoid. Thoir mo shoraidh, &c. ’Sin an t-oganach sìobhalt ’Tha gun mhòrchuis na ’ìnntinn; Tha e eireachdail, grinn air gach seòl. [TD 42] Tha e uasal na ’thighinn Agus suairce na ’bhruidhinn, ’S tha e fiùghantach, cridheil gu leòir. ’S furasd’ aithneachadh bho ’nàdar Gur a h-ann de ’n fhuil àird e ’Thug do dh-Alb’ iomadh sàr bu mhòr glòir; Clann-Ghilleain a shinnsreadh, Cinneadh àrdanach, rìoghail, Dha ’m biodh brataichean riomhach de ’n t-sròl. Sin an dream a bha cliùiteach, ’S nach bu tais gu toirt cùis diubh; Gu’n robh Dubhairt car ùin’ ac’ an còir. Tha e dùbailt’ an càirdeas Ris na fir tha mi ’g ràitinn, A bhiodh cruadalach, dàna ’san tòir. ’S tha e dìleas r’a sheanachas Do Loch-Iall ’s do Chlann-Chamaroin; Buidheann Abrach tha calm’ air gach dòigh. ’S gu ’n do rinn iad sinn fhiachainn Nuair ’bha ’n rioghachd s’ ga ’riasladh; Sheas iad Eòghan trì bliadhn’ agus còrr. Tha e ionnsaichte, fiosrach, Tha e caoimhneil, làn misnich; Cha ’n fheil aon dad a’s misd e ga ’chòir. Cha ’n fheil gainne no crìn’ ann, Cha do chleachd e bhith miodhair An àm suidhe no dìolaidh mu ’n bhòrd ’S e sin cridhe na féile; Bha mi tacan an dé leis; ’S gur a math leam deagh sgeul air r’a bheò. [TD 43] Sgeula b’ ait’ leam a chluinntinn E bhith socrach ’s an tìr so Gus an rachadh a stìpinn na ’s mò. ’S gu’m bu mhath leam an déidh sin E bhith pòsda ri céile, ’N té bu mhiannach leis fhéin ge b’ i òigh. The Rev. John Maclean was born at Grandtully, Perthshire. He became minister of Coll in 1813. He was a short, stout, and strong man. He was a Maclean to the back-bone, and was always ready to quarrel with an Argyll Campbell. He died in Coll, July 16, 1834. He was never married. CUMHA Do Mhr. Eamunn Mac-Cuinn, ministear Bharra. FONN.—“Gaoir nam ban Muileach,” Thàinig sgeula bho Uibhist ’Mheudaich bròn do bhean Chuibhir; Chuir e ’sùilean gu snighe, ’S goirt a ràinig e ’cridhe; Bha a céile gun bhruidhinn Air a chàradh na ’uidhim; Ged nach b’ann air son tighinn na ’shlàinte. Tha i muladach deurach A sior-chumha mu dhéibhinn; Dh’ fhalbh a h-aighear ’s a h-éibhneas, ’S fear na misnich ’s na céille Air a phasgadh ’sna léintean, ’S a làmh fhuar aig an eug air, ’S fir ga ’ghiùlan air spéicean gu ’bhàta. [TD 44] Ann an ciste chaoil, chuimte, ’S i gu teann air a dlùthadh Bha ’n duin’ eireachdail, cliùiteach ’Dol na ’bhàta gu ’dhùthaich ’Chum a leigeal ’san tunga, ’S e an suain as nach dùisg e Gus an gairmear gu cunntas sliochd Adhaimh. B’e ’n cead muladach cianail ’Ghabh a bhean dheth Di-ciadainn; Chaill i ’companach ciatach, Am fear fiùghantach, fialaidh. ’S beag an t-ionghnadh i ’liathadh ’S i gu brònach ga ’iargainn Bho na chuireadh ’s an lion-eudach bhàis e. Ann an leaba na h-ùrach, Fo na clàir air an dùnadh, Dh’ fhàg i aobhar a h-ionndrainn, ’S i mar luing ’bhiodh gun chùrsa Ruith air cladach gun chriù oirr’, Gun fhear-eòlais no stiuraidh, ’Chaill a combaist, a siùil ’s a croinn àrda; No mar chraoibh air a rùsgadh, ’Bhiodh gun duilleach gun ùbhlan, Ach gu glan air a spuineadh, Is an stoc mar bu dù dha A sior-chrionadh ’s a sùghadh Ann an toiseach na dùbhlachd, ’S cha chuir earrach no lunasdal blàth oirr’. ’S ann mu thràthaibh na Bealltainn, Nuair bha ’n saoghal a sealltainn Maiseach, éibhinn, neo-fhallsail, Fhuair i ’n deuchainn ’bha teann oirr, A dh’ fhàg éisleineach fann i, [TD 45] ’Dh ’fhag mar choluinn gun cheann i; Chaill gach lus agus crann dh’ i an àilleachd. Tha i brònach ro uaigneach, Gun toillinntinn ri uaislean, ’S i gun chéile ri ’gualainn. ’Stric na deòir air a gruaidhean ’Caoidh an fhir nach robh gruamach.— ’S goirt an t-saighead a bhuail i Nuair a thog iad air ghluasad bho thràigh e. ’S iomadh sùil a bha galach ’S e ga ’ghiulan aig fearaibh ’Dhol ’s a chrùisle am falach.— B’ e ’n duin’ uasal r’a fharraid Maighstir Eamunn a Barra, Cha robh ’leithid ach ainneamh Bho’n a dh’ eug Maighstir Ailein a bhràthair. Bha e taitneach na ’sheanachas, Bha e measail ro ainmeil, Bha e foghainteach calma.— ’S gu’m bu sgiobair air fairg e Nach robh gealtach no leanabail Mar is tric rinn e ’dhearbhadh, ’S e cho math ’s a bha ’n Albainn mar shnàmhaich’. Bha e misneachail meanmnach, Bha e cumadail dealbhach, Gu’m bu churaidh gun chearb e Dheanadh ceannard air armailt, Ann an spionnadh ’s an anfhadh, Nan do chleachd e’n tùs aimsir’, ’Bhith ri sgathadh is marbhadh ’sna blàraibh. ’S ann a shocraich e ’inntinn ’Dhol a leughadh a Bhiòbuill [TD 46] Is a liubhairt na fìrinn Mar dheagh theachdaire cinnteach.— ’S iomadh comhairle dhìleas ’Thugadh seachad ri thìm leis ’S e ag innse mu’n Ti sin ’thug gràdh dhuinn. ’S maith a dh’ aithnich e’n saoghal Fhad ’s a bha e air faotuinn, Bha e truacanta daonnach, ’Dheanamh feum ’bha e saoithreach, Bha e iriosal aoidheil, Aig gach duine bha gaol air Gus na chuireadh ’s a chaol-leaba chlàr e. Cha ’n fheil stà dhuinn bhith tuireadh ’N fhir ’chaidh null air a thuras, Thig am bàs air gach duine, Cha dean fòghlum no urram Neach a theàrnadh bho ’bhuille,— Guidheam Teàrlach a dh’ fhuireach ’Thoirt toilinntinn na ’mulad d’a mhàthair; ’S e bhith cruadalach, fearail, Mar bu dual d’a o sheanair ’Choisinn buaidh air na Gallaibh, A thug cùis dhiubh a dh’ aindeoin, ’S a fhuair cliù do Mhac-Cailein Nuair a thilg e chlach-eallaich:— Chuir e suas air an fhearann thar chàich i. Faiceam àrd e an urram Mar ’bha Còirneal na Sgurra ’Tha ’n diugh, aobhar mo mhulaid, ’S e na shìneadh air uilinn Ann an seòmar nan uinneag, ’S ann a dh’ fhalbh ’uainn gu buileach, Sliochd Néill Bhàin a bha curanta dàicheil. [TD 47] The Rev. Edmund MacQueen was married to Isabella, daughter of Charles Maclean of Scour, and sister of Gilleasbuig na Sgurra. The Macleans of Scour were descended from Neil Bàn, the founder of the house of Boreraig, the first branch of the family of Ardgour. CALL NA CAILIN. Chaidh Niall Mac-Gilleain, “am maor Bàn,” Lachainn Dòmhnallach, mac Dhòmhnaill, mhic Chaluim, agus Niall Dòmhnallach, mac Sheumais mhic Chaluim, triùir dhaoine a mhuinntir Thiriodh air ghnothach do dh-Ile. Nuair a bha iad a tighinn dachaidh chaidh an call aig na Suacain an Tiriodh. B’e A Chailin ainm a bhàta aca. ’S ann Di-sathairne ’chualas Sgeul bu chruaidh a bhith fior, Gu’n do chailleadh na daoine Dh ’fhàg an Caolas bhuainn fhìn, Dh ’fhalbh ’s a mhaduinn Di-dòmhnaich Fo àrd sheòl as an tìr. Ged a thill sibh gu còrsa Gu’m bu bhrònach sud dhuinn. Ged a thill sibh ga ’r n-ionnsuidh Ann an ùine ro gheàrr, Ann an àite toil-inntinn Bha sinn lìonte le cràdh. Chaidh ’ur call aig na Suacain Anns na stuadhan gun bhàigh; ’S cha b’e gainnead ’ur n-eòlais ’Chuir fo sheòl sibh do ’n àit’. Gur h-e ’n oidhche bhith dorcha, Is an stoirm a bhith àrd, [TD 48] ’Chuir a Chailin ga ’n ionnsuidh Ann an tùs a mhuir-tràigh’,— Gu ’m bu chruaidh leam ’ur glaodhaich Nuair a sgaoil i na ’clàir, ’S nach robh duine g’ ur n-éisdeachd Dheanadh feum dhuibh n’ ur càs. Och, a Sheumais ’s a Dhòmhnaill, ’S goirt leam dòruinn ’ur crìdh; Fhuair sibh greadan am bliadhna ’Rinn ’ur liathadh roimh ’n tìm. Thugadh bhuaibh na fir chalma Nach robh cearbach air gnìomh; Bu deagh sgiobairean fairg’ iad, ’S tric a dhearbh iad gu’m b’ fhìor. Tha do mhàthair trom tùrsach, ’S i ga t’ ionndrainn, a Nèill, ’S beag an t-ionghnadh dhi fhéin sin, Chaill i h-éibhneas gu bràth. Com na ciataibh gun bhruaillean Anns gach gluasad a b’ fhearr. Cha robh coir’ ort r’a faotuinn Ach do shaoghal bhith geàrr. ’S trom ’tha ’n sac s’ oirr’ air drùdhadh, Tha i brùite gu leòir, ’S i ri smaointinn mar bhà thu Ann an sàs ’s gun i ’d chòir, ’S truagh leam t’ athair ’s do bhràithrean A cur àsuig air seòl ’Dhol ga t’ iarraidh le sgriobain, ’S tu na d’ shìneadh ’san ròd. * Tha do cheile na h-ònrachd, ’S tric na deòir air a gruaidh, * Ròd, sea-weed. [TD 49] Gu ’m b’ e ’m mi-fhortan mòr dhi Nach robh ’m pòsadh ud buan. Thug i gaol dhuit an toiseach, ’S cha do choisinn thu fuath, Is nam faigheadh i h-òrdagh Bhiodh i còmhl’ riut ’sa chuan. Gu bheil Fionnaghal nigh’n Iain Tric a saigheadh gu trom; Cha ’n i cheud chreach a leòn i, Ged bu mhòr i ’san àm; Ach bhith cuimhneachadh Lachainn Bhith fo shlachdraich nan tonn, ’S i gun mhac aic’ na t’ àite, ’S bochd a làrachd ’s i lom. Tha do pheathraichean deurach, ’S iad fo éislean gach là; Chaill iad ceannard na riaghailt, Làmh a dheanadh dhaibh stàth. Bho nach dàinig thu dhachaidh Bidh an aitreabh gun àird; ’S e do thàmh anns an fheamainn Cùis an gearain ’s an cràidh. Bho na rinneadh do mhilleadh, ’S tu air iomain nan stuadh ’S bochd am moch-éirigh mhaidne Air a chladach lom, fhuar, ’S iad ga t’ iarraidh gu d’ chàradh Ann an sàmhchair na h-uaigh’.— ’S aobhar bròin iad r’ am faicinn, ’S an cùl-taic’ aca bhuap’. Leam is duilich r’a innse Nach do thill thu, ’Nèill Bhàin, [TD 50] Mar a dh’iarramaid t’ fhaicinn, Bho Phort-Asgaig le d’ bhàt’. Chaill an tuath am fear-comhairl’ Anns gach gnothach a b’ fheàrr; Fhuair iad clisgeadh gun fhios dhaibh ’Thug am misneach gu làr. ’S math a ghleidh thu do phosta, Cha do choisinn thu diumb; Bha thu measail aig uaislean, ’S chuir an tuath annad ùidh, Cha bhiodh t’ fhacal ga ’n dìteadh No cur ’sios air an cùl, Aig gach duine bha gaol ort, Bu tu ’m maor a b’ fheàrr cliù. Làmh bu ghrinn air an sgriobhadh, Bhiodh e cinnteach o d’ mheòir. Cha bhiodh mearachd ad chunntas, ’S tu nach mùchadh a chòir. Bha thu léirsinneach, fiosrach Bha thu tuigseach, gun phròis.— B’ aobhar mulaid do ’n àite Thu bhi bàite ’san ròd. Bu tu cridhe na féile Nach dug spéis do bhith crìon, ’Fhir a b’ àlainne cumachd Bho do mhullach gu d’ bhuinn. Nuair a chruinnich do chàirdean ’Dhol ga d’ chàradh ’sa chill, ’S iad a dh’ fhaodadh a ràitinn Gu’m bu bheàrn thu ga ’n dìth. Taing do ’n Tì sin tha cumail Stiùir na cruinne na ’dhòrn, [TD 51] ’S a thug leis as an t-saoghal so Na daoine ud le còir, Gu ’n do thilg e gu cladach An cuirp gheal’ as an rod; Sguir an càirdean ga ’n iasgach, Fhuair iad riarachadh mòr. Neil M’Lean and those with him were drowned in March, 1809. Mr. M’Lean had gone to Islay for Macintosh, the receiver of wreck, a ship with a cargo of linseed having been cast ashore in Tiree. BARDACHD ALASDAIR MHIC-FHIONGHAIN. Goirid an déidh bàis Mhic-Fhionghain fhuair am Bàrd sealladh bho ’bhantraich de na h-òrain a dh’ fhag e sgrìobhte. Chòrd iad ris gu h-anabarrach math air son doimhneachd an cainnte, agus air son an t-snas leis a bheil iad air an cur r’a chéile. FONN.—“Gur a muladach sgìth mi.” Fhuaradh sealladh Di-luain leam ’Dhùisg mo spiorad gu gluasad;— Leugh mi dàin a bhaird luadhmhoir nach beò. Fhuaradh sealladh, &c. Ged nach faca mi riamh thu Tha mi ’g ionndrainn gu’n thriall thu, ’Fhir bu chomasaich’ briathran is glòir. Ghabh mi beachd air do sheanachas Mar a chinn e bho t’ eanachainn; Dh ’fhàg thu sgrìobht e gun dearmad bho d’ mheòir. [TD 52] Tha do shaothair mar dh’ earbainn Ann an òrdagh gun iomrall; Cha ’n fhaigh bàird oirre cearbaich’ no sgòd. Thug a cheòlraidh le spéis dhuit Gach buaidh inntinn ’bha feumail A chur ealaidh gu ceutach air dòigh. Thug iad gibht dhuit an uaigneas Nach doir innleachd a nuas oirnn, ’S nach dean fòghlum a bhuannachd na ’s mò. ’S mór an tlachd a bh’ aig uaislean Dhiot nan comunn air uairibh; ’S lionmhor cuireadh a fhuair thu gu ’m bòrd. Bhiodh na h-òrain bu ghrinne Sunndach, fonnmhor, le binneas ’Tigh’nn gu pongail o bhilibh do bheòil. ’S tric a thug thu dhaibh sgeula Mu na blàir ’bha ’s an Eiphit; ’S cha bhiodh mearachd, no breug ann, no sgleò. Bu tu saighdear a chruadail Ri uchd tein’ agus luaidhe; ’S iomadh cath anns na bhuannaich thu leòn. C’ àit an cualas ach ainmig Riamh ’sna cearnaibh so dh’ Albainn Aon thug bàrr ort ’chur seanachais air dòigh. ’S mór an dìleab a dh’ fhàg thu Na do dhéidh aig na Gàidheil,— Dh’ eug thu-féin ach do dhàin mairidh beò. [TD 53] CUMHA DO DH-IAIN CAIMBEUL, AN SGAIRINNIS. Bha ’n duine òg so na cheannaiche ann an Sgairinnis an Tiriodh. Chaidh e le dròbh gu margadh Dhùini. As a sinn chaidh e do Ghlaschu a cheannach bathair. Dh’ fhàs e tinn ann an Grianaig ’s e air an t-slighe dhachaidh. Bha e na ’chorp an ceann thrì làithean. ’S ann ’s a bhliadhna 1817 a chaochail Iain òg Sgairinnis. FONN.—“C’ ar son nach tòisichinn ’s a champa.” ’S e ’n sgeul ’thàinig a Grianaig oirnn Fàth m’ iargainn is mo bhròin; Gur tric a tigh’nn fo shuim dhomh e Ga ’chuimhneachadh gach lò. An t-òigear uasal sìobhalta Bh’ air chuairt ’s an talamh ìseal so Tha ’n diùgh gu ùir a crìonadh Ann an dìomhaireachd fo ’n fhòid. Di-dòmhnaich dh’ fhàg e Glaschu Is e ’g astrachadh gun leòn; Bha e gun bhròn, gun airsnealachd, ’S e làidir, bras ’s gach dòigh. Di-luain ghrad bhuail an acaid e, Di-màirt bha ’m bàs ac taice ris, Di-ciaduinn chaidh a phasgadh ’S e gun chlaisteachd air a bhòrd. Is ann gun fhios dà chàirdean A bha deuchainn ghàbhaidh ’n òig, Cha robh a h-aon diùbh làmh-ris Gus a chàradh mar bu chòir, Bha ’n t-eug a streup gu làidir ris, Bha saighead gheur an sàs aig’ ann, [TD 54] ’S aig crìch bha thìm ’s an fhàsach so Ri ùine gheàrr gu leòir. Is muladach a mhàthair Air a sàrachadh le bròn, Is athair cha ’n e ’s feàrr tha dheth, ’S an cràdh an déidh a leòn, A smaointinn air an àilleagan A dh’ imich leis na bàtaichean Nuair ’ghluas e roimh Fhéill-Màrtuinn As a Ghàidhealtachd le ’dhrôbh. B’e so an geamhradh deurach Thug sgrîob gheur orra bha lom; A h-uile latha ’dh’ éireas iad Tha iad neo-éibhinn trom. ’S e dh’ fhàg gun lùths gun léirsínn iad, Gu ’n robh am fear nach tréigeadh iad Ga ’phasgadh anns na léintean Is gun aon diubh féin air teann. ’S ann fo na bùird na ’shìneadh A tha ’m fear bu shìobhalt’ cainnt, An cridhe glan ’bha fìrinneach Gun fhoill, gun ghiamh, gun mheang. Tha ’phàrantan mar dhìlleachdain, ’S am bròn an déidh an cìosnachadh; Tha ’n deòir a ruith gu dian-fhrasach, Gach là na’n cridh’ tha toll. Gur h-ann an tùs a gheamhraidh An deidh shamhna teann air mios’ ’Bha dùil aca bhith fàilteachadh An àilleagain do ’n tìr. Bu chruaidh am fios a ràinig iad ’S a chiste chaoil gu’n d’ chàradh e; Bha bròn an ionad gàirdeachais; Bu chràiteach a bha ’n crìdh. [TD 55] Bidh cuimhn’ ac’ air a bhliadhna so ’S iad iargaineach, gun fheum; Gu ’n d’fhuair iad mòran riasain A bhith cianail as a déigh. Ged bhiodh iad òg gu’n liathadh iad Ri caoidh an fhir as riaraich iad; Gu ’n deach gach cùis bho riaghailt Bho na thriall e gus an fhéill. Tha ’bhùth an déidh a ghlasadh Far ’m bu chleachduinn leis a bhith, ’S a leabhraichean an tasgaidh ann Bho ’làimh bu ghasda ’sgrìobh. Bu ghrinn e-féin ga’n ceartachadh ’S bu shìobhalta r’a fhaicinn e; Bu bhòidheach cuma pearsa Do ’n fhear dheas bu sgairteil gnìomh. Bu tùrail, eòlach, tapaidh e, Bu bheachdail air gach nì; Bu chiallach, fialaidh, faicleach e Le aoidh le tlachd ’s le sìth. Nan deanadh daoine ceartas ris Cha bhiodh e cruaidh na ’n airc orra Bu mhath do thuath nam bailtean e, Cha ’n fhaict’ e ga ’n cur sios. Ach cha ’n fheil stà bhith cuimhneachadh ’S a caoidh na thugadh bhuainn; Cha ’n fheil neach àrd no iseal ann Nach déid ri tìm do ’n uaigh. Dean deas, a Righ nan rìghrean sinn, Gu dhol a stigh do ’n t-siorruidheachd, Air sgàth na beatha phrìseil sin Mar iobairt ’thugadh suas. [TD 56] DUANAG DO CHAILEIG BHIG. Rinneadh an duanag so do Mhóir Nic-Gilleain, nighean Dhòmhnuill chùbair, bràthair a Bhàird. Cha robh innte ach caileag mu dheich bliadhna dh’ aois. Bha i ’fuireach an àite seanar, athair a Bhàird. Gur h-e mise tha fo phràmh, Tha mi muladach gach là, ’S Ailein, mac a Chlachair Bhàin, An dràsd a tigh’nn ga d’ phòsadh Gur h-i Mòr a mhaighdean ghrinn; Cas a’s deise théid troimh ’n rìdhl’; ’S lionmhor fear a th ’ort an tì Bho ’n rinn mi fhin dhuit brògan. Nuair théid Ailein ann ad dhàil Cha bhith easbhuidh ort, a ghràidh, Gheibh sibh craoit anns a Phort-Bhàn, No àit ann an Cùil-Bhòtai. Nuair a rèiticheas tu, ’rùin Théid do sheanair leat do’n bhùth, ’S cha bhith caomhn’ aig air na crùin, Bheir e gùn is còt’ dhuit. Mor.—A cheud uair ’chunnaic mi e ’S ann a bha sinn aig a bhàl; ’S mòr a thug mi dha de ghràdh, ’S cha chluinneadh càch ar còmhradh. Ailein.—Thug mi ’Mhóir an gaol tha buan, ’S mi nach caochail rithe ’n gruaim; ’S binn r’a éisdeachd guth mo luaidh Nuair bhios i ’lu’adh nan clòithean. [TD 57] IAIN ’S A BHANA-MHAIGHSTIR. Chaidh am Bàrd uair a cheannach leathrach bho Iain Mac-Fàidein, fear-cartaidh-leathrach, an Tiriodh, ach cha robh iad a còrdadh mu ’n phrìs le deanadas bean Iain. Bhiodh i a sparradh a teanga far nach bu chòir dhi. Luinneag. O, seinnibh gu h-eutrom, gu h-aighearach, éibhinn, Air cliù an fhir fheile a’s ceutaiche gnàths; ’S na fàgaibh a chéile gun innse mu déibhinn; ’S i féin a bhean bheusach, ’s gur feumail i dha. Chaidh mise o ’n bhaile a shealltainn mo charaid, ’S gu leathar a cheannach o ’n fhear tha mi ’g ràdh. Nuair ’chaidh mi na ’sheanachas a dheanamh ris bargain. A mach thug mi ’n t-airgiod is thairg mi e dha. A bhean thuirt le greann oirr’, ged gheibheadh tu bonn air. Cha phàigh e an call ’th’ agad ann mar a tha; ’Sin craicionn a ghamhna ’fhuair bàs anns an t-sàmhradh, ’S a chairt thu le eabhnainn mu ’n d’ thionndaidh am blàths. Nach biodh e dhuit neònach a sheachnadh le gòraich’ ’S do phiuthar gun bhrògan air reòtachd an làir; Na doir e dha ’m bliadhna gun ochd-sgillin-diag air; Bheir esan as riaghailt, ’s gu’n dean e dha stà. Ged ’s tusa ’bhios daonnan a cartadh ’s ag aoladh Gach craicinn is laoicinn ’bheir daoine do ’n àit, Is mis’ a tha ’m chléireach a sgrìobhadh ’s a leughadh ’S a cunntadh ri ’cheile, ’s gur feumail mi ’ghnàth. Nuair fhuair e bho ’chéile, an t-òrdagh ’bha feumail Thuirt Iain, Cha bhreugan a dh’ éisd thu bho ’m ghràdh, [TD 58] Ged ’s ainmeil a bhuannachd cha ’n fheil i ach suarach, Tha mòran ’dol bhuam di an tuarasdal chàich. Cha ’n urrainn mi innse gach nì ’tha cur prìs air, Bu tric ’bha mi sgìth mu’n do mhìnich mi e. Bu ghoirt bha mo dhriom deth ga ’cheangal le siomain ’S ga ’tharruinn le dìchioll, a dìgibh dubh, grànnd. Bu draghail an ni dhomh bhith ’siubhal tràigh Chrìonaig ’Toirt shligean a nios aisd, le ìnean mo làmh. ’S bu chosdail gu cinnteach an losgadh gu grìosaich ’S an toirt gu aol brìoghmhor, geal, mìn air an làr. A mhòin’ anns an fhearann cha ’n fhaigh mi r’a ceannach, Tha againn ri tarruinn, ’s tha ’m faradh fior àrd, ’S a chairt tha i prìseil, ge pailt i ’san rioghachd, ’S tha cusbunn an rìgh oirre ’mhiodachadh màil. Cha b’ ann le bhith diomhain a dh’ fhag mi cho mìn e; Ga ’spionadh ’s ga ’sgrìobadh bu sgìth bha mo làmh. Nis chì thu le fìrinn gur fiach na ’tha dhìth ort Gach bonn a chaidh innse le m’ mhnaoi mar a tha. Bho ’n bha mi na m’ éiginn gu’m b’ fheudar dhomh géilleadh. Do dh-Iain ’s da chléireach, bean bheusach an àigh; Cha cheannaich mi ’n còrr bhuap, cha bhith mi cho gòrach, ’S ann théid mi do’n Oban, ’s e moran a’s feàrr. O Iain ’s tu ’n truaghan; air thaod tha thu ’gluasad An déidh na té bhuaireanta fhuair thu air làimh; Do thriubhas mhath chlòtha thoir dh’ ise mar chòmhdach ’S cuir umad a cot’-se mar ’s còir dhuit gun dàil. [TD 59] ÀIRIGH A CHAOLAIS. Rinneadh an t-òran so do cheathrar bhuachaillean anns a Chaolas, an Tiriodh a bha ’togail àirigh agus a deanamh dearmaid air an obair. Luinneag. Balach na h-aimhreite, ho ró, Mac an fhir Ghallda, ho ro éile ’Thàinig le anntlachd, hu ru bhith ò ’S a chuireadh na glinn o riaghailt oirnn. Le sunnd chuir an t-àrmunn A thàinig do ’n bhaile A suas àite sùgraidh Air chùlthaobh a bharra, ’S cha ’n fhaicear air cùram ’S a chùl ris an stalla; Bidh poit agus bùl aig’ ’S gur dlùth ’ni e ’gharadh. Nuair ’shuidhich e ’m bonn Aig taigh fonnmhor na caithrim Gu’n d’ ghlaodh e a nuas Air a bhuachaill aig Ailein. Nuair thàinig e làmh-ris Gu blàth thuirt e, ’Charaid, Ma gheibh thu na lànain Gur pàirt iad mu ’n talla. A nuas thàinig Bloinigein Gu stoirmeìl na ’n caramh, Is thubhairt e, ’S àlainn An àirigh ’bhios agaibh. Gu dearbh bidh i bonn, Bldh i trom air ’ur sporain Mu ’n cuir sibh air dòigh i ’S i stòraidh fo ’n talamh. [TD 60] Na ’dhéidh thàinig Iain, ’S bu chridheil am fear e, Is thubhairt e, ’S ceutach Tha ’n stéidh air a gearradh; Bheir mise dhuibh còmhnadh, B’e ’n sòlas bhith mar-ruibh; ’S bidh againn an àirigh A ’s feàrr tha ’san fhearann. ’S na croitean so shuas Tha na buachaillean ro-mhath; ’S ann aca tha ’n àirigh Tha ’n àite math seallaidh; Tha ’chlachaireachd làidir ’S gur h-àlainn a tarruinn, Rinn Donnachadh an càrbhadh ’S Iain Camaron an spalladh. ’S ann aca tha ’n eàrnais, Ni ’s feàrr tha gle ainneamh! Tha còrn air son càis’ aca ’Bhlàiteachadh bainne; Tha gloine mar sgàthan An càradh ’sa bhalla, ’S tha cartal a ghàraidh Gu h-àrd air na sparraibh. ’S iad féin na fir éibhinn, Gun éislean, gun ghalar; Tha sgil aca air éigheach, Air leum ’s air cur char dhiubh, Gur tric a bhios uaislean Air chuairt leis na gallain, ’S gur h-iomadh té bhòidheach ’Tha ’n tòir air gach fear dhiubh. Thuirt duine rium fhìn, “Tha mi sgìth dhiu sin cheana, [TD 61] Le fleadhan na h-àirigh ’S le blàithid an aingil. Tha ’n coirce ’bha làmh-riu Na ’chnàmhaig gun ghearradh, ’S ged mheasadh orr’ màla Am pàigheadh cha ’n fhaigh mi. Rud eile ’tha ’m dhìth-sa, ’Tha prìseil ’san fhearrann; Chaidh ’pheasair a spìonadh A nios as an talamh; Bha ’m pòcannan lionte, ’S iad dìnnt’ air an sparradh; Mheasadh peic orr’ ’s rud crion Air nach b’ fhiach dhomh tigh’nn thairis.” Tha ’m Bloinigein ag ràdh rium, “Cha phaigh mi ri m’ mhaireann Gun sumanadh làidir O bhàillidh Mhic-Cailein. Ma bheirear gu cùirt mi Mu ’n chùis a bha cronail Chi thus’ Iain Mac Eachainn ’Dol dachaidh fo dhorran. Ma phàighear am bàrr leam ’Bha fàs as an talamh, ’S mi gun chòta, gun léine, ’S gu’m feumainn an ceannach, Bidh mo thuarasdal bhuamsa, ’S gu’m b’ fhuar air a shon mi, ’S mi iomad la ànnrach Gun àirigh, gu m’ gharadh.” Na creidibh gach nì A théid ìnnse ’s a bhaile Mu dhéibhinn nam buachaillean Luath-chasach, meara, [TD 62] A pheasair cha spion iad A nois às an talamh, ’S cha leig iad an fheudail Aon cheum as an sealladh. MOLADH DHOMHNAILL MHIC-UALRAIG. Bha Dòmhnall Mac - Ualraig na ’thàillear agus na fhìdhleir. Bha e cruaidh agus mòr as féin. Thachair e air a Bhàrd latha ’san taigh - òsda, agus thòisich e air iarraidh air òran molaidh a dheanamh dha, a gealltainn duais dha air a shon. B’ ann a mhuinntir Chola an tàillear. Cha robh e aon chuid cho beairteach no cho bochd ’s a tha ’n t-òran ag ràdh. B’ ann a mhuinntir Thiriodh Teàrlach Mac Ceòraidh. Cha robh ann ach fìdhleir bochd. Chaochail e bho chionn chóig bliadhna fichead an siorramachd Bhruce, an Ontario. FONN.—“Mo rùn geal, og.” Thoir mo shoraidh le dùrachd A null thar an t-sàile ’S dean a h-aiseag le cùram A dh’ ionnsuidh an tàilleir. Gur h-e Dòmhnall Mac-Ualraig ’M fleasgach suairc ’tha mi ’g ràitinn ’S mòr de cheanal ’s de dh-uaisle Am fear do ghluasaid ’s do nàdair. Mo rùn geal, og. Gu’n do dh’ aithnich mi-fhin sud Mu’n do thill mi Di-màirt bhuait; Le làn dearbhadh ’s le fìrinn Dh’ fhaodainn ìnns’ air fear t’ àbhaist, Nach bu sgrubaire crion thu Ri dhol sgriob do ’n taigh-thàirne, [TD 63] Ach gu fiughantach cosgail, ’S cha bu bhrosgul dhomh ràitinn. Mur a h-abair mi breugan B’ e do bheus anns gach àite, Nuair a bhiodh tu ’s taigh-òsda, ’S tu ri òl nan deoch-slàinte, Nach bu ni leat an stòpan Air a bhòrd a bhith ’d làthair, Ach na botail air sgòrnan, ’S dheanteadh mòran diu ’thràghadh. Air a mheud ’s ga ’m biodh còmhl’ riut De luchd-eòlais ’s de chàirdean ’S tu nach rachadh ga’m feoraich An àm còrdadh mu’n phàigheadh; Rachadh làmh ann ad phòca ’S chuirt’ an t-òr air a chlàr leat; Cha do dh-iarr thu riamh mùthadh, ’S ann a chunntadh tu slàn e. ’S beag an t-ioghnadh a mhòr-chuis A bhith ’d phòraibh a gluasad; Tha thu ’shliochd nam fear cliùiteach ’Bheireadh cùis de ’n luchd-fuatha; Bha iad cruadalach sgairteil ’N àm nan glas-lann a bhualadh, ’S cha bu tais iad le ’n dòrnaibh Nuair a thòisicheadh tuasaid. Tha thu ’shliochd nam fear mòra Ri am feòraich nach suarach; ’Bheireadh creach as na cròithean, ’S chuireadh tòir air na buailtean; Tha do shloinneadh r’a innse leinn, De dh-fhior chlann Mhic-Ualraig; Bho Ghleann Garaidh ’s bho Lòchaidh Thigeadh connspuinn a chruadail. [TD 64] C’ àit a bheil e r’a ìnnse, Fear do ghniomh’ ann an Albainn? Tha thu teòm’ air gach oilean, ’S mòr do chomasan eanchainn; ’S iomadh nì ’tha ’toirt meas ort Nach bi mise toirt ainm air Mu’n saoil cuid de m’ luchd-éisdeachd Gur h-e breugan tha ’m sheanachas. Tha thu d’ dhannsair air ùrlar ’Choisinn cliù am measg Ghàidheal; Nuair a chaidh thu ’Dhunéideann, Bha luchd-Beurla fo thàmailt. Thàinig fios ort am bliadhna Dhol ga t’ fhiachainn do ’n bhàl ann; Thug sin onair do ’n Diùca Is do ’n dùthaich a dh’ fhàg thu. Bu leat urram a rithist Air an fhiodhull a ghleusadh. Nuair a ghlacadh tu ’d làimh i Cha bhiodh càch ach mar bheus dhuit; Cha do dh-amais aon riamh ort A rinn t’ fhiachainn ’s a cheum sin Ach Teàrlach Mac-Ceòraidh, ’S e bu bhòidhche ceòl-éisdeachd. Thuirt na h-uaislean ’bha ’n làthàir Aig a bhàl ruibh ag éisdeachd, ’S mòr am meas iad do ’n àite ’N deach an àrach le chéile; Cha ’n fheil coimeas do Theàrlach Fhad ’s a bha sinn no théid sinn, Thug e barrachd air Hòmer, Ged bu bhòsdail ’s a Ghréig e. Ged fhuair Teàrlach an t-urram Thar gach duin’ air ceòl éisdeachd [TD 65] Cha bu choimeas e ’Dhòmhnall Ann am fòghlum an déidh sin; Tha gach grinneas a t’ inntinn, Tha thu fìnealta gleusda: Gur mi fhéin ’bha ort eòlach Bho na b’ òg sinn le chéile. Bu tu tàillear nan uaislean; Gur tu dh’ fhuaidheadh gu fìnealt’, Is gu fasanta spòrsail, ’S cha bu chlòithean bu nì leat; Gur h-e deiseachan Gallda, ’S tu cur tholl leis an t-sioda A bhios agad fo d’ mhiaran; ’S bidh iad deante gu rìomhach, Gu’n robh tighearn’ na h-Airde Dhomh gu h-àraidh ag ìnnse Gur tu ’dheanadh dha ’n còta, ’S ro-mhath ’chòrdadh r’a inntinn; Gun bhith cumhann no farsuinn Ach a phearsa ga ’lionadh; ’S mur a ruigeadh e ’n cruachan, Rachadh cuairt ris gu h-iosal. Bu tu sgiobair na mara Ri là greannach, ga ’fuairead! ’S tu nach leughadh an giorag Is nach tilleadh gun fhuathas. Cha do sheasamh e ’m bàta ’Bheireadh bàrr air a chuan ort; Eadar Eirinn is Albainn ’S tric a dhearbh thu do chruadal. ’S tric a sheòl thu a Lunnain, Bhiodh long ghunnach o’n rìgh leat; ’S lionmhor turas air bhuannachd ’Thug thu bhuainn do na h-Innsean. [TD 66] Bu ut ’m marsanta cliùiteach Gheibhteadh cùnnradh ’s gach ni bhuait; ’S ann ad bhùthaibh le chéile ’Bhiodh na cléirich a sgrìobhadh. Bu tu ’n giomanach gunna ’Bheireadh fuil air an ruadh-bhoc, ’S iomadh fiadh fo do bhuille ’Thuit air uilinn nam fuar bheann. Bu tu nàmhaid a choilich ’S moch a ghoireadh ’sna bruachan; Is na ’cearcaige duinne ’Bheireadh gur as an luachair. Bu tu dròbhair nam mart A dheanadh ceartas is pàigheadh, Nuair a thigeadh tu ’n dùthaich Bheirteadh cunnradh is dàil dhuit. ’S iomadh uan ’thug thu ’Dhùnaidh, ’S iomadh crùn ’thug thu ’n àit’ so:— ’S ann air monadh Dhun-Breatuinn ’Fhuair thu ’m bristeadh nach b’ fheàird thu. Gur a mis’ tha fo mhulad, ’S mi nach urrainn sin àicheadh, ’S iad ag innse mar sgial dhomh Gu ’n do liath thu, ’s cha nàr dhuit. Bho na striochd thu aig baile, ’Dheanamh arain le d’ shnàthaid, Tha nis crioch air gach gnothach A bha roimhe so ’d làmhan. ’S beag a shaoil leam gu’m faicinn Fear cho beairteach ’s a bha thu ’Fhalbh le pochd’ air a shlinnean Beagan mine is càis ann, ’Dol a dh’ ionnsuidh na buana; Och mo thruaighe do chàradh.— [TD 67] Gu’m bu trom ort bhith laighe Ann an sabhall no ’n stàbull. Tha mi cinnteach, a dhaoine Gu’m bi ’n t-saothair so pàighte Nuair a chi mi na h-uaislean Domh’ll Mac-Ualraig is Teàrlach. Gheibh mi gloin’ air muin gloine De dhibh shoilleir nan Gàidheal.— ’S gu bheil fios aig na h-eòlaich Nach h-e sgleò ’bha mi ’g ràitinn. DO THIGHEARN’ OG CHOLA, Air do’n Bhard a chluinntinn gu’n do phòs e. FONN.—“Ged a dh’ fhàg thu ri port mi.” An diugh chuala mi sgeula A rinn m’ ìnntinn a ghleusadh gu fonn, Air an fhiùran òg chliùitich ’Tha na ’oighr air an dùthaich ud thall. Gur h-i naidheachd an éibhnis ’Thàinig uime a Dunéideann a nall Gu’n do cheangladh e ’m pòsadh ann Ri té ga ’bheil stòras neo-ghann. Ma tha aon anns an làthair ’Bhios a farraid mu’n àrmunn gun chearb, Mu bheil iomradh ’san ealaidh so Cha chùm mi sud aineolach oirbh. Tighearna Chol’ tha mi ’g raitinn, Eoghan og, is cha’n àicheam dhuibh ainm, An sàr Leathannach prìseil De na h-uaislean a chìnn o Iain Garbh. [TD 68] Saoghal fada le buaidh dha ’S do na cheile sin ’fhuair e air làimh. Gu’n robh ’n t-Ard Rìgh mar dhìon da ’S a cur chomhairlean crionnta na cheann. Tha e ’n dràsd ann an Lunnainn Is ma théid e gun fhuireach do ’n Fhraing, Gu ma sàbhailte ’thuras Ann an àirde ’s an urram gun taing. B’ i mo chomhairle gràidh dha, Ma ’s a duine e ’ni tàmh am measg Ghall, E bhith fuathach air dòighean Cuid de dh’ uachdarain òg ’tha ’dol ann. Bidh iad amaideach gòrach, A sior chluich an cuid òir ’s a cur gheall, ’S furasd stòras a ghleidheadh Seach a bhuannachd an deaghaidh a chall. ’Fhir a dh’ ùraich na facail so, Bi cuimhneach le beachd air mo rann, ’S air na daoine bha romhad A rinn feum anns gach gnothach a bh’ ann. Chum iad aca ’n cuid fearainn, ’S rinn iad fhuasgladh an carraid nan lann.— Biodh an sliochd ann gu buadhach Fhad ’s bhios duilleach a gluasad air crann. Sin na h-uaislean ’bha beachdail, Bha iad cruadalach, sgairteil, ’s bu dual; Bha iad iriosal bàigheil ’Chumail taic ri fear fàilinneach truagh, ’S bha iad smachdail ro dhàna Nuair a leumadh an t-àrdan riuth’ suas; Gu’n do dh’ aithnich Mac-Nèill sin, Nuair a thuit e ’san àraich le ’shluagh. Chuala mise iad ag innse Nuair bha saoitheach an fhìona gun chriù, [TD 69] Gu’n do dh’ chruinhich gach bàillidh Gus a gleidheadh gu sàbhailt’ do’n Diùc. Thainig Eachann na ’leum orr’ ’S e air tigh’nn á Dunéideann as ùr, Thug e gròcadh gu cruaidh orr’, ’S dh’ fheum iad tilleadh gun bhuannachd, gun chliù. Nuair thig Eoghan bho thuras ’Chum an àite ga’m buin e a nall, Is a bhaintighearna mar ris, Mar is miann leis gach caraid a th ’ann, Cluinnear losgadh nan canan ’S freagradh dlùth aig mactalla nam beann; ’S bratach lurach a thaighe Bidh a crathadh le aighear ri ’crann. Ann am Breacachadh thall ud Bidh na h-uaislean aig Alasdair cruinn; Bidh gach ni ann an òrdagh Bidh gach uidheam a’s còir air an cionn. Bidh a bhranndaidh na galain Aig a ghillean ga ’tarruinn ’s ga ’roinn, Cha bhith duine fo smalan, ’S chithear sùrd air luchd-ealaidh a seinn. Ann an talla na fialachd, ’S gu’m bu chleachduinn d’ i riamh a bhith ann, Bidh gach ni tha r’a iarraidh, Cha bhith sòradh air fiontan na Fraing’. Gu’m bi comunn na féile Sunndach, aighearach, éibhinn, neo-throm, Chithear tuigs’ agus géire, ’S iad a freagairt a chéil’ air gach làimh. Aig àm laighe na gréine Cluinnear fidhlean ga’n gleusadh gu teann, ’S gu’m b’ i sunnd air an òigridh ’Chur nan car diubh le sòlas ’san danns’. [TD 70] Anns a mhaduinn ag éirigh Cluinnear pìob nan dos réidh air an lom, ’S a puirt ealanta, shiùbhlach A cur aighir air dhùsgadh ’s gach com. Gu ma h-éibhinn do ’n òigear Air an éireadh an t-òran le fonn; Ann an labhairt mu ’dhéibhinn Bha gach facal gu réidh a dol leam. Gur a sona ’n té fhuair e, Aice féin tha ’n duin’ uasal gun mheang, Tha a bhuadhan cho lionmhor, Is nach urrainn mi ’n inns’ ann am rann. Hugh Maclean of Coll married Janet Dennistoun in 1814, and received with her a dowry of £50,000. ORAN DO THIGHEARA OG CHOLA, Nuair a cheannaich e a Bheinn Mhór ann am Muile. FONN.—Air tuiteam am chadal domh. ’N diugh chuala mi sgeula ’Thug sòlas dhomh ’s éibhneas, Bho chùirtear na féil’ Tha ’n Dunéideann an dràsda. Gur bìnn leam ri ’eisdeachd Gu’m faic iad le’n léirsinn, Gach aon a nì feum dheth, ’S a leughas do chàch e, An sgeul tha mi ’chuinntinn Bho Thighearna Chuimhnis,— Gu’n d’ mheudaich e ’oighreachd Bho ’n roinn a bha làmh-ris. [TD 71] Is urramach, ’cliùiteach, Do dh’ fhear a chuir sùil ann, Gu’n d’ fhuair e g’a ionnsuidh A chùis mar a b’ àill leis. Mo dhùthrachd ’s mo roghainn E ’ghluasad air adhart, ’S na bhuinnig e ’ghleidheadh Gun deaghaidh aig càch air, Lan shaor bho gach duine, Gun dealachadh tuilleadh ris; ’S ait leam na h-uiread Fo chomas an àrmuinn. Is b’ fhearr leam gu’m b’ urrainn e ’Sealltainn air tuilleadh, ’S na reicear a Muile ’Bhith ’cruinneachadh màil dha, ’S e dh’ fhaoduinn g’a ionnsuidh Bho làmhan an Diuca Gach fearann ’san dùthaich ’Bha ’n tùs aig a chàirdean; ’Bha treis aig na daoine sin, Tacan de ’n t-saoghal, Gu h-aighearach, greadhnach, Na ’n teaghlaichean stàtail. ’S e thug orr’ an caochladh An gòraiche sgaomach Is ìnnleachd na feadhnach ’Bha daonnan an sàs annt’. ’Sann dh’ fhògradh iad thairis Da dhùthchannaibh aìneoil, ’S tha ’n còir aig Mac-Cailein, A ghabh e le dànachd. Bu chearr an lagh ceannasach ’Bh’ ann anns na h-àman ’San d’ fhuair e’n cuid fearainn Gun cheannach, gun phàigheadh. [TD 72] Nam biodh an ceann-cinnidh An àite no ’n ionad, Tha ’n t-àm aige tilleadh Do ’n innis a dh’ fhàg e; A ghluasad neo-lapach, Deas, cruadalach, sgairteil, An Dubhairt a chaisteil, A b’ fhaicilleach làmhach; A dh’ ùrachadh cleachdainn Nan cùirtearan gasda, ’Bha staigh air na geataichean Acfhuinneach, làidir; A rùsgadh na brataich Os cionn nam fear feachda Nach tionntadh le gealtachd Bho bhaiteal ri nàimhaid. Nan dùisgeadh e fhathast, ’S gu’n tionndadh e ’n rathad so, Ceannard nan Leathanach, B’ aighearach iadsan, Bu mhuirneach an sealladh, ’S bu shùrdail am baile, Nan ùraicht’ an t-sean obair Glan air an làraich. Chìteadh mar dhealanach Boillsgeadh bho ’n ghearasdan, ’S chluinnteadh mactalla Nam beannan a b’ àirde, A freagairt nan canan, Nuair bhrùchdadh an anail A null thar na mara Gu fearann Chìnn-Ghearrloch. Nam b’ fhior mar a chanadh leam ’S lionmhor ard thalla ’M biodh fion ann an searragan, S gloineachan làn dheth. [TD 73] Bhiodh ceannardan fearail Ga ’dhioladh a ’n sporain, Gu h-ìnntinneach, toileach, An onair a shlàinte. Air chùmhnant’ e ’theannadh Gu ’dhùthaich na ’dheannaibh Gu’n òladh le annas air Clannaibh nan Gàidheal,— Ach cumaidh Mac-Cailein Le lagh bhur cuid fearainn, ’S mur dean sibh a cheannach Cha ’n fhaigh sibh gu bràth e. Gu ma slàn do ’n duin’ uasal ’Rinn beagan de ’bhuannachd; Gu ma beairteach sean, buan e Na ’uachdaran àghmhor; Air cheann a chuid daoine Ga ’n dion anns gach aobhar, ’S toil-inntinn na ’theaghlach Gun chaochladh, gun fhàillinn. ’S e chunnaic ’s a chual e, ’S am fasan ’bu dual dha Bho ’n fhear a thog suas e, ’Bhith truacanta, bàigheil; Sàr cheannard na tuatha, Nach teannaich gu cruaidh iad, Nach doir an cuid bhuatha, ’S a dh’ fhuasgladh na ’n càs orr’. ’M fear cruadalach, calma, Mar ’s tric rinn e dhearbhadh Nuair bha e ’sna h-Earraghaidh’lich, ’S b’ ainmeil a phàirtidh. Gu’n dug e bho’n taileabart Fear dhiubhsan a dh’ fhalbh leis; Nuair dh’ éirich a mheanmna Cha’n fharraideadh e fàbhar. [TD 74] An sin thuirt Mac-Comaraidh, ’S e labhairt le feirg ris, Ma ’s duin’ thu mar t’ ainm Dean mo choinneachadh-sa ’màireach. Gu’n d’ sheas e mar dh’ earbainn Le lann a chinn airgid, ’S le cùram a eanchainn Air falbh theich am Maidsear. Cha’n ionghnadh a mhac A bhith àrdanach, beachdail; Bu lionmhor fuil reachdmhor ’S na gaisgich bho’n d’ fhàs e; Na Leathanaich ghasda A dh’ iobradh gun cheartas, A ruagadh bho’n aitribh, ’S a sgapadh ’s gach àite; ’S na Camaronaich chròdha, Dream eile nach sòradh ’Dhol an carraid no ’n còmhstri, Fir mhòra neo-sgàthach; ’Bha armailteach eolach, ’S ro dhìleas do Dheorsa, Ged sheas iad thar òrdaigh A chòmhnadh Phrionns’ Tearlach. Do dh-Eoghan mac Alasdair, ’Dh’ ùraich dhomh ’n ealaidh so, Buaidh air gach bealach, ’S gach beannachd ri là leis, Is uasal ri fharraid An treun-fhear deas, smearail; ’S gach dóigh tha e fearail, ’S e ceanalt na nàdar; Sar Leathanach sgairteil, ’Tha siobhalta tlachdmhor, De shiol nam fear smachdail ’Bha’n caisteal na tràghad; [TD 75] A bhuannaich le ’n tapadh An dùthaich fo ’m facal, ’S a ghléidh i gu sgairteil Bho neart na bha ’n sàs annt’. ’S e cridhe na féil’ e, ’Tha iriseal, déirceil, ’Tha cinneadail, ceutach, ’S nach treigeadh a chàirdean. Cùl-taice nam feumach, Ga’n dion anns gach éiginn, ’S nach diùltadh na ’n éis iad Le ceum ’s am biodh fàillinn. Bu dùthchas da féin sin, Bhith cruadalach, gleusda, Gun mhùthadh r’a fheuchainn, ’S gun ghéilleadh do thàmailt. Gur soilleir a léirsinn Gu ceartas a réiteach; Cha’n fhaigheadh fear eucorach Eisdeachd na ’làthair. Is iomadh ni còrr, ’Bheireadh cliu dha an òran, Nach comasach dhomh s’ ’Chur an òrdagh mar b’ àill leam. Thug siùbhal is fòghlum Dha fiosrachadh ’s eolas, ’S tha tuigs’ ann gu h-òirdheirc Mar lòchran a dearrsadh, ’S beag ionghnadh an òg-bhean A fhuair e r’a phòsadh Bhith ìnntinneach, sòlasach, ’S bòidhchead an àrmuinn; Nuair bhuinnig i còir air ’S a ghlac i a dòchas, ’S gach maighdean ’bha ’n tòir air, ’S gu leoir dhiu ’toirt gràidh dha. [TD 76] Tha ’ghruaidh mar an caorann, ’S a chneas mar an fhaoileann; Sùil ghorm, chorrach, aobhach ’San aodann a ’s àille, Fo mhala gun chlaonadh, Le gruaidh nach dean caochladh, ’S ann gheibh sinn e daonnan Is aogas a ghàir’ air. Fear fiughantach, caoimhneil, Fear flathasach, aoibheil, ’S ro smachdail mar shaighdear; Cha’n fhaodteadh tigh’nn cèarr air; Lann thana gheur ghrinn air De ’n stàilinn ’bu rìghne, ’S neul fala gu ’roinn oirr’ Nam faighneachdteadh làmhainn. Tha mòrchuis nach misd e ann, Eolas le gliocas aig’, ’S e ceannsgalach, misneachail, ’S measail ’s gach àite. ’S cliu dha nach brisdeach Am beus a tha ’nis aige; ’Bhuadhan ’s a ghibhtean Gur tric iad ri ’n àireamh. ’S fear ionnsaichte, deas e ’Thoirt òrdaigh d’a fhleasgaich, A ’s bòidhche ’ni seasamh Fo dheiseachan sgàrlaid. Thar fairge nan sirt’ iad, Gu h-armaichte, crioslach, Gur h-earbsach tha mise Nach brisdeadh bu ghàths daibh. ’S e ’labhair gu mìomhail, Am fear a chuir sios iad, ’S a thuirt gu neo-shiobhalt’ Nach b’ fhiach iad mar phàirtidh. [TD 77] Nam b’ aithne dha ’n fhirinn, ’S gu’n deanadh e h-ìnnse, ’S cuis urraim do ’n rioghachd Gu’n d’ chìnn innt’ na sàir ud. ’S iad fhéin na fir ghasda Tha leoghanta, sgairteil; ’S gu’m b’ fhearr iad nan coltas Nan cuirteadh do ’n Spàin iad. Bhiodh iomradh mu ’n cosnadh Le ’n ceannardan rompa; Cha diultadh iad nochdadh Air chnocaibh ri nàmhaid. Do ’n t-saoghal bhiodh dearbhte Gu’n robh na fir chalma Bho thìr nan laoch ainmeil ’Bhiodh garg anns na blàraibh:— Na saighdearna cruadalach, Acfhuinneach, fuasgailteach, Deas-fhaclach, luath-làmhach ’Chuartachadh làraich. An onair a fhuair iad, Cha dealaich i bhuatha; Ge tric ’dol thar chuan iad, Cha chuala sinn tàmailt Nan curaidhean calma Fo ’m brataichean balla-bhreac; Sliochd rioghail na h-Alba Dh’ an seanachas a Ghàidhlig. ’Thighearn’ oig, gu’n robh t-iomradh Mar b’ ait le d’ luchd-leanmhuinn; Saogh’l fad dhuit gun iomagain An iomlaineachd slàinte; Le d’ dhaoine deas, dealbhach, Gu h-ìnntinneach, sealbhach, ’Sna mìn-ghleannaibh gorm’ S an cluinnt’ toirm nan dos àrda; [TD 78] Le mac rathail, uallach, A riaghladh na tuatha, Mu’n gairmear gu uaigh Le gath buadhach a bhàis thu; Is oighr’ ann gu ’leanmhuinn An tùr nan triath ainmeil; Fear an ionad gach aona-ghin. ’S gun ainbheach ri ’phaigheadh. AN T-URR. DONNACHADH MAC-GILLEAIN. The Rev. Duncan Maclean was born in Killin, Perthshire, in July, 1796. His father, Archibald Maclean, was a cabinet maker by trade, and was known as Gilleasbuig Mór, or Big Archibald. His mother was a Mackay from Strontian in Argyleshire. He was licensed by the Presbytery of Uist in 1822, and ordained as missionary at Benbecula in 1823. He became minister of Salen, Mull, in 1828. He was translated to Kilbrandon and Kilchattan in 1835, and to Glenurchy and Inishail in 1837. He joined the Free Church in 1843. He wrote a good deal for the Teachdaire Gaidhealach and for Cuairtear nan Gleann. He published his poems in 1868. He died in December, 1871. He was a man of ability and culture, a good preacher, and an excellent poet. He could play on the violin, and could play the old Highland airs remarkably well. He married a daughter of Kenneth Macleod, tacksman of Ebost, and had by her seven children, Murdoch, Archibald, Kenneth, John, Flora, Margaret, and Sarah. Archibald was city treasurer of Bradford, Pennsylvania. He died in February, 1899. He was a true Highlander. [TD 79] CEOL. ’S binn caoirean nan caochan ’an aonach nam beann, Nuair tha’n latha a sgaoileadh air aodann nan gleann; ’S binn osna na gaoithe, ’s gur aobhach a toirm Air ciùineach’ do’n doinnean, ’s air cadal do’n stoirm. ’S binn co’-sheirm na coille, nan doire, ’s nan stùc, ’S ro bhlasda an ceòl e ’s an òg mhaduinn dhrùchd; O! ’s taitneach r’a chluinntinn geum laoigh tigh’n o’n chrò, ’S binn gàirich na tuinne, is bàirich nam bò. ’S binn naidheachd air caraid chaidh fada air chuairt, ’S cha seirbhe guth leannain dh’ fhàs banail is suairc’; ’S ro bhlasda guth màthar làn blà’is agus gaoil— Mar cheòl iad nach àlainn, nach càirdeil, nach caoin? Ach tha ceòl ann a’s uaisle na ’bhuadhaibh gu mòr, ’S tha fuaim ann a’s binne, ’s a’s grinn’ air gach dòigh; Tha poncan a’s mills’ ann, nach diobair gu sìor, Gach ceòl ’rinn thu sòlasach ’n oir no an iar. Nach milis mar cheòl e, nach bòidheach, nach binn Guth ch’ag mhaduinn Dhòmhnaich, nach sonraichte grinn? Na fuinn ud ro àluinn ’tha fàilteach’ an lò A bheannaich an t-Ard-Rìgh gu slàinte nan slògh. Nach binn a chruit-chiùil ud, nach rùnach gach ial, An cridhe trom, brùite ag uirnigh ri Dia? Nach taitneach mar cheòl e, nach bòidheach, ’s nach caoin Guth molaidh a shòlais, a dhòchais, a ghaoil? [TD 80] LATHA BEALLTAINN. Thriall an geamhradh, thriall an t-earrach, Thriall gach gruamaich’, fuachd is gaillionn; Speuran dorcha, gaothan fuaimneach, Glìb is sneachda thriall mu thuath iad. Tha gach sliabh ’bha lòm is seacte; Tha gach gleann ’bha geal le sneachda; ’M fireach àrd, an srath ’s na cuantan, Ri gàirdeachas o’n thriall am fuachd bhuainn. Cluinnear canntaireachd ’s gach coille, Tha deise bhainnse air gach doire; Eoin ri sùgradh, spréidh ri mire; Bric a leum ’s gach poll a’s linne. Cluinnear anns a choill an smùdan, ’N coileach-dubh air géig a dùrdail, An dreathan-donn le ’òran siùbhlach, Is fagusg dhi an druid ’s am brù-dhearg. Os ar cionn gu h-àrd ’san iarmailt, Le port sunndach, suilbhir, iasgaidh; Cluinnear ged nach fhaic an riabhag, ’S c’àit’ an cluinnear ceòl cho ciatach? ’S cluinnear ann am frìth an fhàsaich ’N damh-donn a langanaich gu h-àrda,— ’N eilid ghlan, a leannan gràdhach, ’S an laoghan beag a mire làmh rith’. ’S chithear clann ri taobh gach alltain ’Deasach’ cuirm air Latha Bealltainn; Ach cha’n ìobair iad do Bhélus, Ged thug an sinnsear aon uair géill da. [TD 81] Tha deaghghean air gach ainmhidh ’s creutair, ’Bhos air thalamh, shuas ’s na speuran; Tha beatha ’teachd o shlios na gréine, A toirt misnich dhoibh is spéirid. Faic na raointean, faic na cluaintean, A bòcadh ’mach le feur is luachair! Braonain ’s clanna bheag ga cnuasachd, ’S a sireadh nead ’an còs nam bruachag. Feuch trom dhealt air bàrr gach féoirnein! ’N talamh breacaichte le neoinein! ’M facas riamh ’thug bàrr am bòichid Air a bhrat gach àit’ a chòmhdaich? Nach eutrom iollagach, ’s nach uallach, Ceum na h-ainnir ’dol do’n bhuaile! ’Dol a bhleoghann a chruidh ghuaillinn, ’S an t-àl òg na ’còir gu guanach. ’S nach sunndach, sgairteil ceum a bhuachaill’, A dìreadh nam màm ’s nam fuar-bheann! Le choin dhìleas, ullamh, fhuasgailt’ O’n a thriall an sneachd ’s am fuachd bhuainn. Ceud fàilte ort a Bhealltainn aobhach! ’Bhealltainn shnodhach, bhliochdach, ghaolach; Mìnn is uain is laoigh gu h-aotrom ’Mireag air gach làimh is taobh dhinn. Ach cha mhair thu ach ré sealain, ’S cha mhair an t-earrach ach car tamuill; ’Ur grian ’s ’ur blàths cha’n fhad a mhaireas, Thig dubhar orra, ceò is smalan. Thig àm nach cluinnear ceòl ’sa choille,— ’An searg an trusgan air gach doire; [TD 82] Tha ’n geamhradh ’teachd ’s cha dean e moille, Le ’ghnùis stoirmeil, ghruamaich, dhoilleir. Cliù gu’n robh do Dhia na tròcair, D’a phobull taghta sàmhradh dh’ òrdaich; Grian a dhealraicheas ’an còmhnuidh, Air nach laigh smal an rìoghachd na glòire. Tìr an àigh, a ghràidh ’s a chaoimhneis,— Tìr tha ghnàth gu soilleir, soillseach; Tìr nam beannachd, tìr an aoibhnis, Gun fheum air solus gréin’ no coinnle. Tìr nam fonn nach caill am mìllseachd, Tìr nan òran do nach sgìthich; Tìr a chiùil nach sguir gu dìlinn, Tìr nan aingeal is nam firean. Tìr nan crann nach caill an àilleachd; Gorm is ùrar bidh gu bràth iad; Croinn le ’n duilleach a bheir slàinte, Tìr nan aimhnichean nach fàilnich. Tìr an t-samhraidh ’chaoidh a mhaireas, Tìr gun fhuar-dhealt, gun chlach-mheallainn; Tìr gun osna, deur no smalan,— Gun fhuachd geamhraidh no tart earraich. Tìr ’s an ìobrar cliù gu sìorruidh Do Thrì Pearsaidhean na Diadhachd;— ’N Tì a chuir, an Tì a riaraich, ’N Ti a naomhaich an cridh’ iargalt.’ Nach sona iadsan a gheibh còir oirr’! ’Feitheamh orr’ tha uallach glòire; Tobraichean tha làn de shòlas, Mar-ri Dia gu sìor ’an còmhnuidh. [TD 83] LACHAINN NA GÀIDHLEG Lachlan Maclean, known as Lachainn na Gàidhlig, was born at Arnabost in the Isle of Coll, on June 2nd, 1798. He went to Glasgow about 1821 and engaged in the hosiery business. He was the author of several excellent articles which appeared in the Teachdaire Gàidhealach and Cuairtear nan Gleann. He published “Adhamh agus Eubh” in 1837, and the “History of the Keltic Language” in 1840. His aim in both of these works was to prove that Gaelic was the language of Paradise. He died November 22, 1848. He was a Gaidel of the Gaidels. CUMHA Do nighean Thighearna Chola, baintighearna dhiadhaidh a chaochail ann an Lunnainn an 1830. FONN.—“Iorram na truaighe.” Och! is mis tha fo airsneal, Tha mo chridhe ’cur thairis le bròn; Ainnir uasal na h-àilleachd, De ’n fhuil Leathanaich àghmhoir, cha bheò! ’S e so ’mheudaich mo thùrsa Nach d’fhuair do luchd-duthcha ga d’ chòir, Ach gun athair, gun bhràthair, Ann an Lunnainn ga d’ cháradh fo ’n fhòid. ’S iomadh buaidh bh’ ort r’a innse, ’S a chaidh cheana chur sìos ann an dàn. Bha thu àlainn ’am pearsa, Bha thu iriosal macant’ thar chàch; [TD 84] Meur de’n chraoibh thu a thuinich Ann an caisteal ud Dhuairt nan sàr; B’e so geamhradh na dunach, Chrìon do fhreumh, ’s dh’ fhrois do dhuilleach gu làr! ’S mò is buan leinn do chadal, ’S fad an oidhche gun mhaduinn na ’deidh! Cha ruig ceòl ort no aighear, ’S an tigh chaol tha thu tathaich leat féin; Dh’ fhalbh do chàileachd ’s do chlàisdeachd, Dh’ fhalbh do léirsinn, do mhaise ’s gu léir, ’S tu, gun déidh air bhith fuasgailt’, Ann am prìosan dubh fuaraidh an éig! Och! nach deach’ do thoirt dhachaidh O mheasg nigheanan Shasuinn ’san uair; Is do chàradh le mòrachd, Ann an cois na traigh-mòir’ mar bu dual; Fo dhìon bhallachan àrda, Far a bheil do chaomh mhàthair na ’suain, ’S far am feudadh do chàirdean Dol gach feasgar ’chur fàilte air t’ uaigh! Ach, nach suarach mo ghearan. Bhur dà uaigh a bhith sgairte an drasd! Thig an uair anns an éirich An ùir chaomh sin gu h-éibhneach o’n bhàs; Tha ’ur n-anamannan àrda Le a chéil’ ann am Pàras an àigh, Ann an càirdeas tha maireann Ann an dùthaich an aighir ’s a ghràidh! Eilean Chola, 1831. [TD 85] MOLADH NAN GAIDHEAL. FONN.—“Ailein duinn, nach till thu ’n tùbh so.” Luinneag. ’S iad na Gàidheil féin na diulnaich; Ho ho, hi ri il ù oh! ’S iad na Gàidheil fèin na diulnaich. ’S iad na Gàidheil féin na gaisgich ’S fad’ ’s is farsuinn a chaidh cliù orr’. Faigheadh iad cothrom na Féinne ’S co air réidhlean a bheir cùis dhiubh? B’ éibhinn an sealladh an còmhlan ’N àm togail nan sròl an Mùideart. Dh’ éirich an t-àrdan na’ n gruaidhean Nuair a chual iad fuaim an t-sionnsair— Gach cridhe ’g at, ’s lann an dòrn, A dol a dh’ agar còir a Phrionnsa! Bha ’n iolach mar mhìle leòghann, No ’n cuan mòr an deidh a dhùsgadh! Chriothnaich na beanntan le uamhas, ’S thàinig gruaman air na dùilean! Chriothnaich an crùn a bha ’n Lunnainn, ’S cha mhòr gu’n d’ fhuirich ar ciùine. B’ aoibhneach Gleann-Fionain an là ud, ’S a mhactall’ ’gàir le dùrachd. [TD 86] ’Stàillinn air mhire gu còmhrag, Gu ’n déid Teàrlach òg a chrùnadh! Olamaid uile ’n deoch-slàinte; ’S balach nach tràigheadh gu grunnd i. Eilean Chola, 1843. AN T-URR. AILEIN MAC-GILLEAIN. The Rev. Allan Maclean was the son of Alexander Maclean and his wife Catherine Macvarrish. He was born in Arisaig, Scotland in 1805. He was educated in Spain, where he spent ten years and learned to speak Spanish as fluently as Gaelic. He was ordained to the priesthood in 1837. He was for a number of years priest of Barra. He laboured afterwards for some time with the Rev. John Chisholm. He came to Cape Breton in 1855. He had charge of Creignish for a little more than a year. He was then placed in charge of the parish of Judique, where he spent about twenty-one years. He was of a poetic nature, and thus differed in some of his ways from the ordinary run of mortals. He had a keen sense of the ludicrous, and was rather fond of playing practical jokes of a harmless character. He was a kind-hearted and honourable man, and was highly esteemed by all who knew him, whether Catholics or Protestants. He died in Judique, October 1st, 1877. [TD 87] ORAN MOLAIDH Do Mhairi Nic-Rath an Aird-an-t-sabhail, air dhi lein’-aifrinn a thoirt do ’n bhàrd. Luinneag. A Mhairi aoidheil nach dig thu ’n taobh so L’e cuailein craobhach nam maoth chiabh donn; A leug nan caoin bhas, ’s do ghruaidh mar chaorunn, ’S do shlios mar fhaoilinn air aodann thonn. Tha seudan luachmhor an grunnd nan cuantan Nach deach a bhuannachd le luasgadh thonn, ’S tha geugan buadhach ann mu nach cualas Bho luchd nan duanag a ’s uallach fonn. A gheug an taitnis gur mor mo thlachd dhiot, A chruinneg ghasd a’s fearr dreach is conn; ’S tu cridh’ an t-suaircis, na seirc’, ’s na h-uaisle, ’S tu shiol an t-sluaigh sin mu’n luaidhte glonn. ’S tu ’shiol nan àrmunn ’thug buaidh ’sna blàraibh Bho Chrò Chinntàil’, ionad taimh nan sonn; Bu chlis ’s a bhàt’ iad a bhristeadh càir ghil, ’S gur tric a shàraich iad làn-damh donn. Thu shiol nan sealgairean ’b’ fhearr bha ’n Albainn, A chleachd mar armachd an earr-chaol donn, ’Bu nimheil dararach a bristeadh targaid Air slinnean meanmnach fear falbh nan tom. Is folachd t’ fhion-fhuil bu mhath r’a iarraidh, An cinneadh lionmhor gun ghiamh nan com; Bu gharbh an cliarachd fo lann ’s fo sgiathaibh Bho Asuinn fhiadhaich gu bial Loch Long. Gu’m b’ fhallain nàdar na stuic o’n d’fhas thu; Tha buaidh na slàinte fo bhlàth ad chom, [TD 88] Mar lili Mhàighe air lochan càthair Is fìamh a ghàir oirr’ air barr nan tonn. Geo bhiodh gach smeorach is uiseag cheolmhor A seinn le sòlas feadh mheoir nan tom, Bu leats’ an cliu le d’ chuid luinneag siùbhlach ’S tu ’cur glas-chiuil air an sionnsair crom. Gu bheil do mheanbh-chruth caoin, ruiteach dearg-gheal Mar ròs air fearra-dhris nan dealgan lom’, Is tha do chalpa mar bhradan tarra-gheal A thig o’n fhairge a’s gailbheach lonn. Do mhuineal ceutach mar eala ghle ghil, ’S i ’snàmh gun éis air uchd réidh nan tonn, ’S cha ’n fheil am finealtachd te ’san roighachad Nach géill do ribhinn nam miog-shul donn. Do cheum ’san ridhle gur boidheach fìnealt’ Le ceol na fìdhle a’s millse pong, ’S gach aon a chi thu am barail chìnntich Gur imeachd sìthe cluich ghrinn do bhonn. Tha gile gréine a mheathas léirsinn Mar aingeal gléidhteach, a leug, mu d’ chom; ’S tha binneas theudan a t’ imeachd eutrom Nuair bheir thu ceum air an réidhlean lom. Mar sholus aoibhinn air feadh nan coilltean Do bhroilleach daoimein ri soillse dhuinn; ’S ged thig an oidhche bidh grian a boillsgeadh, Ma ’s e ’s gu’m foillsich a mhaighdean dhonn. Cha luaidh mi ainm do chaoin phearsa dhealbhaich Mu’n dùisg mi farmad is fearg ro throm, Bho’n chuir do cheutadh Diana euchdach Ag altrum éud riut fo sgéith nan tonn. [TD 89] Do bhuadhan nadair cha’n fhaodar àireamh Le caogad bhàrd ann an dàn le fonn. Cha tuig thu t’ àilleachd ’s an ruig thu’n sgàthan; ’S mo shoraidh slàn le d’ chùl fainneach donn. IAIN MAC-GILLEAIN. Norman Macleod was in the army and learned the art of gilding. After leaving the army he settled at Waternish in Skye, and was known as An t-Or-cheard. He married Mor Irteach, a girl who belonged to St. Kilda, but who was living in Islay at the time of her marriage. Mora was an intelligent woman, and could compose bits of songs. John, Norman’s son by Mora, was a sailor. He died in Liverpool in 1878. The girl whose praises he sang died young. THUG MI GAOL DO ’N T-SEOLADAIR. Air feasgar sàmhraidh Sàbaid dhomh ’S mi gabhail sràid leam féin, Na smeòraichean gu ceilearach, ’S iad àrd air bhàrr nan géug— Bha m’ ìnntinn air an àrmunn sin A’s àillidh’ tha fo ’n ghréin— Nach truagh nach robh mi còmhla riut A còmhradh greis leinn fëin! Bho ’n thàinig mi do ’n dùthaich so Gur beag mo shunnd ri ceòl, Bho ’n dh’ fhàg mi tir nan àrd-bheann, Far an d’ fhuair mi m’ àrach òg; [TD 90] Far ’m biodh féidh ’s na firichean, Is bric air linne lòin, Far ’m biodh na h-òighean uaibhreach ’Dol do ’n bhuaile le ’n laoigh òg’. Tha ’m athair is mo mhàthair, Is mo chàirdean rium an gruaim; ’S ann tha gach h-aon dhiubh ’g ràidhtinn rium, Gu bràth an dig ort buaidh? An di-chuimhnich thu ghòraiche Bho t’ òige ’thog thu suas? ’S ann thug mi gaol do ’n t-seòladair ’Tha seòladh thar a chuain! Tha ’anail leam cho cùbhraidh Ris na h-ùbhlan ’s mi ga ’m buain; A dheud cho geal ’s an ìbhiri, A chneas mar fhaoileann cuain; A ghruaidhean mar an caorann, Is a chaol mhala gun ghruaim— O, thug mi gaol nach dìobair dhuit Gus ’n sìnear mi ’s an uaigh! Gur lionmhor mais’ ri àireamh Air an àrmunn dh’ fhàs gun mheang, Gu’n aithnichinn féin air fàireadh thu, ’S tu àrd air bhàrr nam beann: Bu deas air ùrlar clàraidh thu, Nuair thàirneadh tu ’n tigh-dhanns’, Troigh chuimir am bròig chluaiseinich, ’S gach gruagach ort an geall! Ar leam gur mi bha gòrach Nuair a thòisich mi ri dàn; Cha bhàrd a dheanadh òran mi, ’S cha chòir dhomh dol na ’dhàil; Tha ni-eigin air m’ inntinnse, ’S cha ’n fhaod mi inns’ do chàch;— [TD 91] Gu’n dug mi gaol do ’n t-seòladair Air luing nam mòr chrann àrd. Ach innsidh mise ’n fhìrinn duibh Mur h-fheil mo bharail faoin, Tha goal nam fear cho caochlaideach, ’S e ’seòladh mar a ghaoth, Mar dhrùchd air maduiun chéitein, Is mar dhealt air bhàrr an fheòir; Le teas na gréine éiridh e ’S cha léir dhuinn e ’sna neòil. ’S ma ’s nì e nach h-fheil òrdaichte, Gu’n còmhlaich sinn gu bràth, Mo dhùrachd thu bhith fallain, Is mo roghainn ort thar chàich! Ma bhrisd thu ’nis na cùmhnantan, ’S nach cuimhne leat mar bha, Dhuit guidheam rogha céile Agus laighe ’s éirigh slàn! A HO RO, MO MHAIRI LURACH. Luinneag. A ho ro, mo Mhàiri lurach, Do ’n dug mi mo ghaol cho buileach; ’S e dh’ fhàg mi am bliadhn’ fo mhulad, Nach fhaod mi fuireachd ad choir. Moire, ’s i mo ghaol a ghruagach, Seang chorp fallain; thug mi luaidh dhuit; ’S bho nach fhaod mi deanamh suas riut, Bidh mi fuasgaladh nan seòl. [TD 92] Bidh mo smuaintean anns gach àm ort, Ged a b’ ann a dol do ’n chrann mi; Chuir thu seacharan am cheann, ’S cha ’n amais mi air ceann nan ròp’. Bidh mi smaointeach ort am leaba, Bidh mi bru dar ort am chadal, Cha leig mi thu, ’ghaoil, as m’ aire, Fhads’ tha mi air thalamh beò. ’S tu mo chadal, ’s tu mo dhùsgadh, ’S anns a mhaduinn ’s tu ’s cruit-chiùil dhomh; ’S ann ort a leagainn mo chùrsa, ’Nuair bhiodh càch an dlùths a cheò. Moire, ’s i mo ghaol an ainnir; Do dha ghruaidh mar chaor air mheangan, Fàileadh an t-subh-chraoibh de t’ anail, ’S gur tu m’ aighear de ’n tha beò. Moire, ’s i mo ghaol an rìbhinn, Com is deise leam a chi mi, Mala chaol mar it’ an fhiòr-eòin; ’S toigh leam fhìn mo Mhàiri òg. An robh thu ’m barail, a Mhàiri, Gur h-ann ga d’ mhealladh a bha mi? ’S docha leam thu na mo mhàthair, Ged is i rinn m’ àrach òg. An robh thu ’m barail, a ghruagach, Gur h-e do stòras bha mi ’ruagadh; Tha do thochar ann ad ghruaidhean: B’ fheàrr leam sud na buaile bhò. Cha ghabh mise sud mar thàmailt, Ged chuir thu fear ùr am àite; Ach bidh mise falbh air sàile; ’S gur faisge dhomh bàs na tréoir. [TD 93] TEARLACH MAC-GILLEAIN. Charles Maclean was the eldest son of John Maclean, the poet. He was born in Tiree, July 24th, 1813. He came to Nova Scotia with his father in 1819. He succeeded his father in Glenbard in 1848. He was ordained to the eldership in the congregation of Barney’s River by the Rev. D. B. Blair, D.D., December 24th, 1871. He was a clear-headed, sensible, and well-read man; and lived for the good of others. He was exceedingly kind to the writer of this sketch, and helped him in various ways when going to school, the academy, and college. He was never married. He died at his home, June 27th, 1880. ORAN GAOIL. FONN.— “Gur a gile mo leannan Na’n eal’ air an t-snàmh.” Gur h-e mis’ tha neo-eibhinn, Is éisleineach truagh, Tha mi smaointinn an còmhnuidh Mu ’n òigh a’s glan tuar. Le do bhòidhchid ’s le d’ bhriodal Mo chrìdh’ shlad thu bhuam; Anns gach àite bidh t’ ìomhaigh Na m’ ìnntinn, a luaidh. Gur h-e cumha do ghaoil A dh’ fhàg aognaidh mo shnuadh; ’S e a chuir mi mar tha mi, Gun stàth anns an uair s’; [TD 94] ’S e a shàraich ’s a chràidh mi, Mo mhàldag bhith bhuam, Tha leann-dubh air mo lionadh, ’S tha m’ inntinn fo ghruaim. ’S beag an t-ionghnadh dhomh ’n tràth so Bhith stràchdte fo sprochd; Tha mo smaointinnean cianail, ’S gur piantach mo lot. Mur a till thu an gràdh rium, ’Thé ’s àlainne dreach, Bidh mi tuilleadh fo phràmh ’S mi gun slàinte, gun neart. Cha’n fheil iocshlaint’ aig léigh ’Dheanadh feum do mo lot ’S ann tha saighdean a ghaoil Anns gach taobh dhiom gu goirt. Gur h-e ’leigh’seadh gach creuchd ’S thogadh m’ éislean gu gean, Mi ga t’ fhaotuinn air laimh An còir theann mar mo bhean. ’S ann a thug mi ’n cion-falaich Do ’n ainnir ghloin òig; Té nam miog-shuilean meallach Fo ’n mhala a’s bòidhch’. Tha a ghruaidhean mar chaoran Gun ghaoid air na meoir; ’S tha i banail na ’gluasad Is uasal ’s gach doigh. Tha i fìnealta, sìobhalta, ’S bìnn-ghuthach cìuin; Tha i céillidh na ’còmhradh, ’S gun mhòrchuis dhi dlùth; [TD 95] Tha i furanach caoimhneil, Gur h-aoibheii a gnùis; Tha gach buaidh oirre dh’ iarrainn, Oigh chiatach mo rùin. ORAN GAOIL. FONN.—“Iain Ghleann-Cuaich.” Thoir an t-soraidh so bhuam ’S dean a h-aiseag gu luath gu m’ ghràdh; Thoir i null thar a chaoil, Agus innis do m’ ghaol mar tha. Gu bheil aiceid am chré ’S nach dean lighich’ dhomh feum no stà; Mur a faigh mi i-féin Tha mi ’n cunnart dol eug gun dàil. ’S ann tha ’m fiabhras am cheann; Tha mi iargaineach fann gun fheum Le bhith ’smaointinn ’s gach àm Mu ’n òg ainnir a’s anns’ fo ’n ghréin, ’S truagh nach faighinn air làimh thu ’An ceanglaichean teann bho ’n chléir; Rachadh m’ airsneal gu làr, ’S bhithinn aighearach, slàn gun éis. B’ fhaoin leam airgiod no òr, B’ fhaoin leam bailtean an còir le ’n nì, Seach a mhaighdean ghlan òg s’, ’S i mo roghainn thar òigh ’s an tìr; ’S i an smaoin tha ga m’ chràdh ’S a cur eagail a ghnàth na m’ chrìdh’ Gur h-e fuath air son gràidh A gheibh mise bho m’ Mhàiri bhinn. [TD 96] ’S ann thug mise mo ghaol Do na chailin a’s aóidheil’ gnùis; Gorm shùil mheallach, chiùin, thlàth Tha fo mhala chaoil mhàld’ mo rùin. Gruaidhean dearg mar an ròs, Beul tana, deud còmhnard, dlùth, Anail chubhraidh mar fhion, Th’ aig an ainnir a’s fior mhath cliù. Tha i cuimir gun sgòd Bho mullach gu bròig a sios;— Uchd glan, liontach gu leòir, ’S geal mar shneachda ’s e oirnn a tigh’nn. Seang chneas fallain gun ghaoid, Calpa fìnealt’, troigh aotrom chruinn; Basan réidhe nach cruaidh, Is meòir chaola ’ni ’m fuaigheal grinn. Gur h-e mise tha fo bhròn, ’S tric a snigheadh mo dheòir gu làr Le bhith ’smaointinn mu ’n òigh, Finne mhaiseach a chòmhraidh thlàith. Mur a faigh mi còir bhuan Ort an ceanglaichean cruaidh, le d’ ghràdh ’S e bhith ’cumha mo cheòl, ’S bidh mi tuilleadh ri m’ bheò fo phràmh. ’Ainnir thaitneach nam buadh, O! nach gabh thu dhiom truas ’s mi ’n càs; Gur h-e fiabhras do ghaoil Tha ga m’ fhàgail cho faoin gach là, ’S ga mo ghreasad an aois, ’S geur an t-saighead tha ’m thaobh an sàs. Gu bheil mise ’dol eug; Air son gaol ’thoirt do m’ euchdaig bhàin. [TD 97] ORAN DO ’N EACH MHOR. Le Tearlach Mac-Gilleain. Mìle marbhphaisg air an earchall, Dh’ fhag e cearbach mi an dràsd; Thug e bhuam mo ghearran calma As an robh mi ’g earbs’ a ghnàth. ’S e mi-fhin a thog a suas e; ’S i ’n làir ruadh bu mhàthair dha; ’S iomadh car a rinn e riamh dhomh, Is cha ’n iarrainn each a b’ fhearr. Nuair a thigeadh am an treabhaidh, Bha e ro-mhath anns a chrann; ’S e gu’n tàirneadh ceann an amaill Ged a bhiodh an talamh teann; ’S e ’s a chlais’ a falbh gu còmhnard Gun cheum gòrach ’null ’s a nall; ’S bhiodh an sgriob gu direach, boidheach, Mar bu chòir bho cheann gu ceann. Nuair a bhithinn leis a cliathadh Bha e easgaidh gun bhith mall; Dh’ fhalbhadh e gu socrach, ciallach; Cha robh sgiansgarachd na ’cheann. ’S iomad raon a rinn mi mìn leis, ’S tric a bha mi sgìth mu’n chom, ’S mi ga ’leanachd le mo dhichioll ’Cur an t-sìl fo dhion ’san fhonn. Nuair a chuirinn anns a chairt e Bha e taitneach air gach doigh; Bha e lùthar, laidir, sgairteil Le fior neart na ’chnaimhean mor’ Cha ’n fhaca mi riamh e ’diultadh, Cha do dh-ionnsaich e sin òg; [TD 98] Ged bhiodh rathad clachach garbh ann ’S e gu’m falbhadh e gu stòld’. Nuair a chuirinn air an diollaid Dheanteadh gniomh leis nach biodh cearr; Shiubhleadh e cho luath ’s bu mhiann leam; ’S mi nach iarradh spor ri m’ shàil. Bha e cumachdail, ro dhealbhach; Amhach gharbh is broilleach làn; Sliosaid throm oscionn speir dhìrich, ’S lurga chaol ’bu riomhach cnàimh. CUMHA Do dh-Alasdair Stiubhart a mharbhadh ’sa mheinn òir aig Sherbrook ’sa bhliadhna 1862. B’ i so bliadhna na dunaich’ ’Rinn ar leonadh le mulad, ’S iomadh aon dh’ fhag i dubhach fo bhròn. ’S ann mu mheadhon an earraich ’Fhuair sinn sgeul ’rinn ar sgaradh Gu’n do mharbhadh an t-Alasdair òg. ’S ann ri sgealbadh nan creagan Leis an fhùdar chruaidh spreigeant ’Fhuair thu ’bhuille a leag thu gun deò. ’N àm bhith calcadh ’s a dùnadh ’N àit ’s ’n do chuir thu am fùdar, Dh’ fhalbh an t-srad ’rinn an diubhail ro mhòr. ’S b’ i sud srad a mhi-fhortain, Las i ’m fudar an toiseach, ’S sgealb i chreag rinn do dhochunn ’s do leòn. [TD 99] ’S beag an t-ionghnadh do chàirdean A bhith eisleineach, cràiteach, Bho na rinn iad do chàradh fo ’n fhòid. ’S i do mo mhàthair tha truagh dheth, ’S tric snigh’ air a gruaidhean, ’S e bhith ’d chumha-sa ’s dual dhi ri beò. Gu bheil t’ athair dheth deurach Le bhith smaointinn mu d’ dhéibhinn, ’Fhuair e saighead a chreuchd e gu mòr. Tha do pheathrichean cràiteach, Iad fo mhulad ’s fo phràmh dheth, Is an cridhe gu sgàineadh le bròn. Bu tu cridhe na féile, Riamh nach diobradh na’m feum iad; Is cha leigeadh tu eucoir na’n coir. Bha thu caoimhneil ri d’ chàirdean, ’S bha thu aoibheil na d’ nàdar; ’S e bhith fialaidh bu ghnaths dhuit bho t’ òig’. Bha thu foghainteach, calma, Làidir, misneachail, meanmnach, Bha thu fearail neo-leanabaidh ’s gach dòigh. ’S aobhar smaointinn an drasd dhuinn, An trom chis thug an bàs dhinn; Is cha dean e neach fhàgail tha beò. ’S còir dhuinn daonnan bhith ’g ùirnigh Gu’m biodh Criosda ga’r stiuradh, Bho’n tha ’m bàs a tigh’nn dluth oirnn gach lò. Nuair thig an teachdaire gruamach Bheir e sios leis do ’n uaigh sinn, ’S theid an t-anam gu suaimhneas no bròn. [TD 100] PEIGI NIC-GILLEAIN, Margaret Maclean, Peigi nighean Eoghain Chùbair, was born at Salen in Mull. She was married to a Mackorkindale. She died in Oban. NA H-OIGEARAN URRAMACH. Luinneag. Na h-òigearan urramach A sheol thar nan grunnaichean, Bhur tilleadh fallain, sunndach, Is dùrachd gach duine leibh. Mo cheist na fiurain uasal A sheol bhuainn thar nan cuantan; Saoghal sona buan duibh, Is buaidh leis na dh’ fhuirich leinn. Gur h-òg a rinn sibh gluasad A dh’ ionnsachadh a chruadail; ’Dhol thar nan tonnan uaine ’S nan stuadhannan cunnartach. Mo ghaol na fiurain àlainn A sheol bhuainn thar an t-sàile; ’Ur peathraichean dheth cràiteach, ’S ’ur màthair dheth muladach. ’Ur n-àthair tha fo mhi-ghean Bho’n sheol sibh do na h-Innsibh, A chridhe bidh dheth ìseal ’S an till sibh ’chur furain air. ’Ur leithidean cha d’ fhàg sibh A thigh’nn a staigh do ’n t-Sàilein, [TD 101] Is falamh leam tha ’n t-àite ’S am b’ àbhaist dhuibh cruinneachadh. Alasdair nam blàth shuil, Gur lionmhor mais’ a fàs ort Bho chùl do chìnn gu d’ shàiltean; An àireamh cha ’n urrainn mi. Is Iain bhàin, a ghaoilein, Do shlios tha mar an fhaoileann, ’S gruaidh thana dhearg mar chaorann Fo ’n mhala chaoil a’s luraiche. The foregoing song was composed when two of the sons of Alexander Mac-Callum left Mull for some distant land. EOGHAN MAC-GILLEAIN, Ewen Maclean lived in Mull. As he was a carpenter by trade he was commonly known as Eoghan Saor. He was a very witty man. He died in Tobermory a few years ago. ORAN NA SUIRIDHE. Luinneag. Gaol t’ fhearainn, gràdh t’ fhuinn ’Chuir gum falbhainn idir leat; ’S e luaidh do chruidh dhruiminn, dhuinn, ’Chuir gu’n suidhinn làmh-riut. Nuair a bhà mi anns a chùirt Cha robh chùis ach muladach; [TD 102] B’ fhearr leam na da phunnd is crùn ’Smùid ’thoirt air a càineadh. Tha ’n t-suiridh’ na ’rud math gu leoir Fhad ’s bhios dòigh aig duin’ oirre; ’M fear a’s lugha ni ga ’còir ’S e gu mòr a’s fearr dheth. Nach h-e ’n siorram ’chìnn a suas An uaislid ’s an cuidealas; Chunnaic mise, ’s cha ’n fhad uaith’, Stocaidh ruadh is bhàn air. Cha déid mi shuiridh ri m’ bheo, Obair ghòrach, chunnartach; Sean-fhacal thuirt an luch-fheoir, ’S math an sògh an t-sàmhchair. ’S iongantach an rud an gaol, ’S tric a thaobh e burraidhnean, Dh’ amais e ri Eoghan Saor; ’S daor a rinn e ’phàigheadh. Comhairl’ ’bheirinn-s’ air gill’ òg, A bhiodh spòrsail, cuideachdail, Gun e thaorsainn té ri bheò ’Bhiodh a chòir a màthar. Nuair a bhà mi ’m ghiullan òg, ’S i ghòraich’ bu chuideachd dhomh, Sùil a’m gu’m maireadh mo phòg Anns an dòigh a b’ àbhaist. Tha a ghorta ’tigh’nn an taobh s’, ’S gaoir aig gach duine dh’ i, Ach ’s duilghe leam fhìn an gaol Seach gaoid a bhuntàta. [TD 103] ’Ill’ oig a tha air an fhéill, Cum do cheum gun tuisleachadh; Nam faiceadh tu mis’ an dé, ’S mi bha ’n éiginn ghàbhaidh. ’M boitean-feoir, am madadh-ruadh, ’S gobhar luath nan uirighean, B’ fhas an aiseag ficheadh uair Na bhith suas ri pàirt diu. IAIN MAC-GILLEAIN AM BAILE-MHARTAINN. Hector Roy Maclean, a native of Mull, came to Tiree with Colonel Campbell, when the latter was factor of that Island for the Duke of Argyll. He was a ground officer. Neil Maclean—Niall mac Iain mhic Iain mhic Eachainn Ruaidh—married Christina, daughter of Donald Bàn Mackinnon of Gàradh Shòrabi. John, son of Neil Maclean and Christina Mackinnon, was born in Tiree. He could read and write, and was an intelligent and well-informed man. He lived at Ballimartin. He died four or five years ago. He was never married. He composed quite a number of songs. BREACAN MAIRI UISDEIN. Luinneag. ’S e ’m breacan lurach fasant’ e Nach faighear anns na bùithean; Tha gorm, tha geal, tha sgàrlaid Anns a bhreacan àlainn ùr so. [TD 104] Tha ’m breacan measail ainmeil so Measg gharbh-chrioch agus stuc-bheann; Tha moladh mor ’s gach àit aca Air breacan Mhairi Uisdein. Tha clann nan Gall ga ’m bòdhradh uim’ Am baile mor ’s air dùthaich; ’S tha iomradh thall am Pàris ac’ Air breacan Mairi Uisdein. Nuair theid gach sreath air fhiaradh dheth Le sìoda liath ri chùlaobh, Bidh earradh ùr do ’n Bhànruinn Ann am breacan Mairi Uisdein. Nuair chuirear ann am fasan e Gu deise ’mhac an Dìuca, Bidh obair mhòr aig tàillearan Air breacan Mairi Uisdein. Chaidh naidheachdan do dh-Il’ air, Do Chinntire, Ghigha, Dhiura; ’S tha Muil’ is Col’ air bhàinidh Air son breacan Mairi Uisdein. Tha Còmhall, Bòid, is Arrainn, Tha Bràid-Alba, Lathurn, Mùideart, Is Morairn nam beann arda ’Cluich mu bhreacan Mairi Uisdein. Tha leoghann, bradan tarragheal glas, Lamh dhearg, is dealbh a chrùin air; ’S tha ceann an tuirc bu tàbhachdaich’ Air breacan Mairi Uisdein. Is lionmhor gaisgeach garbh-bhuilleach A bhios a falbh gu sunndach [TD 105] Fo earradh sgeanail Gàidhealach De bhreacan Mairi Uisdein Tha sliochd nan daoine rioghail, Bha ’sna glìnn ri lìnn a Phrionnsa, A beachdachadh gu blàth-chridheach Air breacan Mairi Uisdein. Bho chriochaibh tuath na h-Alba Thig fir chalma, threubhach, lùghor, A tagradh còir air pàirt bhith ac’ De bhreacan Mairi Uisdein. Nan gairmteadh le crois-tàra sinn Gu clàidhean glas’ a rùsgadh, Bhiodh uile laoich na Gaidhealtachd Fo bhreacan Mairi Uisdein. Bu chearr an t-àm do naimhdean Bhith air laoich nam beann ri mùiseag, Nuair bhiodh iad deas gu sàthadh annt’ Fo bhreacan Mairi Uisdean. Ach ’s fhearr dhuinn sgur is tàmh thoirt dha Mu’n dean Prionns’ Tearlach dùsgadh, ’S mu’n tog e spiorad ardanach Mu bhreacan Màiri Uisdein. DI-MOLADH NA TI. Luinneag. Fhir leis an cumant’ bhith ’siubhal nan garbh-chrioch, Thig agus innis a niso chionn aimsir’ C’àit a bheil caile dh’ fhas coltach r’a seanmhair; Té nach do shearg le duilleach na ti. [TD 106] Chi sibh cailean ’s gach fasan ’s an t-saoghal ’Dh’ fhalbh gu buileach an fhuil as an aodainn; Gùn cho fad orra ’s brògan faoine, ’S casan ro chaol air chumadh na ti. Air glaodh a choilich mu’n soilleirich neoil ’S e cupa na maidne a’s math leis na seoid ac’; Samhla air misgeirean ann an tigh-òsda, Gearan fhear òg mar doir thu dhoibh ti. Bodach a bhrochain ’bha foghainteach seideanta, ’Dh’ i theadh gu somalta bonnach na leth-oirlich, ’Gearan ’s a caoidh le a lamh fo leth-cheann, ’S gun chungaidh eile ni ’leigheas ach ti. Maduinn na Sàbaid, is nàr ri ’luaidh e, Mionnaichidh bodaich le corruich an uamhais; Ach ni iad an t-altachadh fada gun ghruaim ’Sa mhaduinn Di-luain nuair gheibh iad an ti. Màthair an leinibh, mu’n coisich e’n t-ùrlar, Bheir i dha cupa na shuidh’ air a ghlùinean; Gheibh e i milis ged theirig an siùcar, ’S lagaich i ’luth as buileach le ti. Cailleach nam briagan, na fiosachd, s na bòilich, Aig ’bheil mar fhasan bhith ’mealladh gach òinnsich; Fear anns an dàn a dh-aindeoin no dheoin, ’S cha’n innis i ’n còrr mur doir iad dhi ti. Chi sibh cailleach na ’suidhe aig na h-éibhlean, Flanain m’a ciobhull s i ’gearan an déididh, ’S gann gun doir i ort freagairt le réite ’S bidh i cho breun mur doir thu dhi ti. Iasg na mara tha Glasachu làn dheth, Im no ubh cha’n fhaigh fuireach ’s an àite, [TD 107] ’S ged a dh’ itheadh iad tur am buntàta Cuirear an càis’ a cheannach na ti. Ged thig am bainne orra toiseach an t-samhraidh Leanaidh gach cailleach ri fasan a gheamraidh, Fiacalan fallain cha’n fheil iad nan ceann, ’S na bunan a th’ ann cho dubh ris an ti. Bodach beag biorrach a tighinn mu chaingis, Màlaid bheag aige is cuiridh e sgraing air, Punnd is leth-phunnd is ceithreamh ’sgach paipear, ’S e gun ghuth cainnt ach moladh na ti. Latha na cùnntais ’s turas an aimhleis Bidh iad fo chasan luchd malairt an airgid; Dé mar is urrainn iad gun bhith fo aìnbheach, Nuair a tha ’n ainm an leabhar na ti. Cha’n iad na marsantan uile gu léir A rinn an droch fhasan gu mnathan a theumadh; Ach am fear crùbach ud an Dun-eideann; Chuir e bho fheum iad buileach le ti. B’ aithne dhomh cailean ’bha farumach foirmeal, Beo, brisg, beadarrach, caithreamach, calma, Slàn, bras, fallain gu obair, ach dh’ fhalbh sud, S cuid dhiu tha gorm le galar na ti. Thusa, chail’ òg, bu chòir a bhith somalt’ Le fuil agus feoil, ma thoisich galar ort, Bheir mi dhuit seol a dh’ fhogras t-anshocair, Ol am bainn’ agus seachainn an ti. [TD 108] A CHAILIN MHAISEACH DHONN. A ghruagach a chuil shniomhanaich, Bhean og a’s miannach leam, Do phearsa dhìreach chumachdail, ’S i chuir mi ort an geall, Is maiseach, banail cliuteach thu, S ro mhodhail aig gach am; S tha blàth mar dhrùchd na h-iarmailt ort, Mar dhearrsadh gréin air fonn. ’S ann thig an sìod’ am fasan air Do chuailean maiseach donn; Suil chorrach a’s glan sealladh leam, Mar dhearcagan nan tom, Do ghruaidhean mar na ròsan Nuair bhios iad og is fann, ’S do shlios mar fhaoilinn mara, No mar chanach geal nam beann. Mo chailin chruinn, dheas, fhuranach, Tha urram ort nach gann; ’S tu thogadh smal is mi-ghean dhiom An uair bhiodh m’ ìnntinn trom; ’S tu dheanadh tric dhomh ùrachadh, ’S bu shùnndach ’thogadh fonn, Le guth mar cheol na fidhle, No mar smeoraich bhinn nam beann. Ceud soraidh slàn thar chuaintean leat A ghruagach mhaiseach, dhonn, Le dùil gu’m faic mi sàbhailt thu Bheir mi mo dhàn gu ceann; ’S ged chaidh tu fad air astar bhuam Do Ghlasachu nan Gall, ’S i tir a mhurain dhù-ghuirm Bu dùthchas duit bhith ann. [TD 109] HI O RO ’S NA HO RO EILE. Luinneag. Hi o ro ’s na ho ró eile, Hi o ro ’s na ho ró eile, Hi o ro ’s na ho ró eile, Gur tu mo luaidh ri ’m bheo cha cheil mi. Nuair a bha mi ’m chaileig ghòraich, Thug mi gaol is gradh do’n oigear Aig a bheil a phearsa bhòidheach, ’S cha ghràdhaich mi ri ’m bheo fear eile. Chaidh mi chaoill nan crann ’s nan gallan, ’S chuir mi sùil am fiuran maiseach: B’ ann an Glasachu nam bùithean A thug mi run do’n diulnach fhearail. Meur a’s grinn air peann a sgrìobhas, ’S a chur gleus air teudan fidhle; ’S e do cheol a thogadh m’ inntinn An uair a bhithinn sgìth fo smalan. Do chùl dualach, cuachach, boidheach, Falt do chìnn mar ìte ’n lòin-duibh; Do dha ghruaidh air dhreach nan ròsan, Is iad fo dhealta ceo na maidne. Tha do chalpa cuimir, dìreach, Mar bhradan aimhne ruith gu fior-ghlan; ’S gur a fior gu’n dug mi luaidh dhuit Am measg na bheil de shluagh air thalamh. Ach tha mise ’n dùil ’s an dochas Gu’n dig an là ’sam bi sinn còmhla; ’S ma bhios tusa dìleas domhsa Cha ghràdhaich mi ri m bheo fear eile. [TD 110] AM MARAICHE GLEUSDA. Luinneag. Mo shoraidh le durachd do dhùthaich nan laoch, A dhionnsuidh luchd m’ eolais is oigridh mo ghaoil A sheinneadh na h-orain mar smeoraich nan croabh, ’S a bheireadh gach taobh dhomh sòlas. Tha mise ri faire mar eal’ air an raon, Cha ghabh mi fear eile ’s cha leanainn e taobh; ’S ann dh’ fhàg mi mo leannan an dùthaich an fhraoich Fo dhubhar nan craobh ’s nam mòr-bheann. Mo chion air mo leannan, caol mhala gun ghruaim, ’S e mhaise bha t’ aodann a chaochail mo shnuadh; Do shlios mar an eala, mar chanach nan bruach, Deud lurach is gruaidh mar ròsan. Fleasgach a chuailein ’s nan cuachagan donn’, Is maraiche treubhach gu reubadh nan tonn, ’S nach gabhadh a ghealtachd air bharraibh nan crann Nuair rachadh an long gu seoladh. B’ iomairteach seolt’ e gu leonadh nam fiadh, Na h-earb’ is a choilich a ghoireadh air sliabh, ’S air lochan nam bradan a leagadh nan giadh Mu’n éireadh a ghrian ’sa chrò choill. ORAN GAOIL. Luinneag. Gu’n dug thu ìnntinn luaineach dhomh, Gu tric fo thonnan buaireasach; Gur e ’chuir fada bhuam thu Gu’n d’ ghabh na h-uaislean bàigh riut. [TD 111] Ged dh-éireadh grian na h-ùr-mhaidne, Tha latha dorcha, mùchte orm, ’S gur h-e ni sòlas ur thoirt dhomh Thu thigh’nn do’n duthaich sàbhailte. Be’n lili ’n gleann air bhòidhchid thu, Be’n daoimein thu, be’n t-òmar thu, Be’m flùr am measg nan ròsan thu, ’Thug cridhe leointe tràth dhomh. Mar eala bhàin, trom eisleineach, A caoidh air lochan sléibhe mi, Bho’n chaidh thu do Dhun-eideann, ’N dùil nach cluinninn sgeul gu bràth ort. Ach tha mi ’n dùil ged thréig thu mi Gu’n càraidh thu na reubadh leat, Gun doir thu chùngaidh léighseas mi, Le ordagh cléir-do lamh-domh. ORAN. Do ghillean òga a dh’ fhag Tiriodh an September 1877 gu ’dhol do Mhanitóba. Gur muladach mise bhith ’n diugh gun duin’ idir A thogas, no thuigeas, no ghabhas leam dàn; Le dùrachd mo chridhe soraidh slàn leis na gillean A sheol thar na linne bho innis an gràidh. ’S mi ’m shuidhe gu h-uaigneach air tulaichean uaine Tha nithean ga m’ bhuaireadh nach cualas le càch; ’S mi caoidh nam fear sunndach ’bha ceanalta, cliuteach, ’Dh fhàg eilein an dùthchais ’s an cùl ris gu bràth. [TD 112] Nuair thàinig an latha gu dol air bhur n-aineol ’S a thionail grch caraid a bh’ agaibh ’san àit, Cha’n urrainn mi aithris na bha tigh’nn air m’ aire, ’S mi smaointinn air an-iochd luchd-fearainn le ’m màil. ’S e ’m faileas na daoine; ’s e ’m mealltair an saoghal; ’Se ’s fasan dha daonnan ’bhith caochladh gach la; Mar choigrich air uachdar cha mhaireann ’s cha bhuan sinn, ’S tha mìltean de thruaighean ga’r fuadach a ghnàth. Bu ghrianach ar maduinn nuair bha sinn na’r balaich, Gun churam, gun ghearan, gun teannachadh màil; Le ceol is lan aighear cha laigheadh an smalan Air a chomunn a bh’ againn am baile nam bàrd. Tha luchd fearainn shaoir anns an am so ro ghaolach Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chàch; ’S bidh innleachdan baoghalt ’sa Ghaidhealtachd daonnan Gu fògradh nan daoine, ’s chur chaorach na’n àit’. Cha’n fhaic mi ’s an àm so ach caoirich air bheanntan, ’S cha ’n fheil anns gach gleann ach fear Gallda no dha; ’S am beagan a dh’ fhan dinn air rudhachan mara Ga ’r-iomain gu cladach ’s ga’r feannadh le màl. Tha’n oigridh ghrinn uallach an diugh air am fuadach; Tha, deas agus tuath, tighean fuar agus fàs, Cha’n fhaic mi a ghruagach dol feasgar do’n bhuaile ’S cha chluinnear a duanag ’s i cuallach an àil. Luchd fheileadh is osan is bhoineidean cocte, ’Bha riamh air am moladh ’s air thoiseach ’sna blair, Tha iad ga ’n cur thairis gu dùthaich mhi-fhallain, ’S gun ni air an air’ ach am fearainn ’chur fàs. [TD 113] Cha labhair mi tuilleadh ran euchd nam fear duineil Do Bhreatann fhuair urram ’s gach cumasg is spàirn; ’S e daoradh an fhearainn ’chuir iad thar na mara ’S a dh’ fhàg iad cho tana an gleannaibh nan sàr. ORAN NAM PRIOSANACH. ’S ro fhad a thà mi gu tosdach sàmhach Mu’n eilein ghràdhach so ’dh-àraich òg mi, Bho’n chaidh a Bhanruinn ’s an Diuc le chéile Gu cur na ’h-eiginn tir reidh an eorna. An t-eilein uaine tha torrach snuadhmhor, ’S e ’s balla cuan dha le thonnaibh mòra; ’S cho fada sìar e ri Barra ’s Ile, Làn lusan riomhach ’s e iseal còmhnard. ’Sa mhaduinn shamhraidh nuair chinneas seamrag, ’S i geal is dearg air a mhachair chòmhnaird, ’S ro lurach blàthmhor a lusan sgiamhach Fo dhruchd na h-iarmailt ’s a ghrian ga ’n òradh. Tha muran, luachmhor, is biolair uaine Na ’lagan uaigneach far ’n goir an smeorach; Is tric a fhuair sinn a mhil ’sna bruachan Bho sheillean, luaineach, breac-ruadh a chrònain. Mu’n dàinig Diuc ann no aon de ’shinnsear, No Deorsa rioghail á righeachd Hanòbhair, Bha’n t-eilein iseal ’bu lionmhor àirigh Aig Clann nan Gaidheal na àite comhniudh. Gach eilein iseal no beanntan arda, ’S gach gleann bha ’g àrach nan Gaidheal còire. [TD 114] Tha moran fàs diu gun duine ach ciobair Bho Mhaòl Chinntire gu Taigh Iain Ghròta. Tir nan gaisgeach ’s nam breacan riomhach, B’e uaill na righeachd iad, ged chaidh ’m fògradh; Bu lionmhor àirigh is bo air buaile, Le ceol na gruagaich mu bhruachaibh mòr bheinn. Chum iad Ceusar as le ’chuid léidsean; Fir Lochlainn ghéill iad do Chaledonia; Aig blàr na Leirge chaidh ruaig air Hàco ’S e meud a thàmailt thug bàs ri bron dha. Is tha luchd àiteachaidh ’n eilein ìsil s’ Fo dhoininn mhìlltich gun àite còmhnuidh, ’S e n dìugh na fhàsach aig luchd ar mìruin, A chuir ’sa phriosan ar gillean òga. An Ionaraora, toll dubh a chruadail, Dhùnadh suas iad a luan ’s a Dhòmhnach; Ach bha de dh-uaisle an com Mhic-Cuaìre Nach biodh iad uair ann nam fuasg’leadh òr iad. Theich na dubh thràillean ’bu chùis na h-aimhreit’, Mar ni an t-aingidh gun aon an tòir air; Gu’n deach an tilleadh; cha robh ach breugan ’An cuirt Dhùneideann, ’s bu leir sin dhomhsa. B’ iad sin na saighdearan smearail lùthar Gu tighinn do’n dùthaich ’chur cùis an òrdagh; Bha fear mu seach dhiu toirt eachdraidh ghàbhaidh Air each Mhic-Fàidein bha ’n àite còirneil. Chaidh sinn’ a bhuaireadh le luchd an tuaileis, Ach sheasadh suas leinn air son na còrach, Gu fearail, cliuiteach, air chùl nan Gaidheil, Mar rinn ar bràithrean ’san Eilein Cheothar. [TD 115] ORAN A rinn am bard air do Shir Dòmhnall Mac-Pharlain a bhith air a thaghadh gu bhith na ’Fhear-Pàrlamaid air son Earraghaidheal. Luinneag. Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan, Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach! Fàilt is furan Dhomh’ll Mhic-Phàrlain ’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan. Saoghal buan le buaidh ’s le rian dhuit, Gu bhith ’dol gun dàil a riaghladh Dùthaich mhaiseach nam fear fialaidh, Nan earb’, nam fiadh, is nam bradan. Thug an sluagh le urram spéis dhuit Dh-aindheoin olc luchd tuaileas bhréige, ’S rinn iad àite suidhe réidh dhuit ’An Saint Stéphens ann an Sasunn. Moch Diciadain bha sinn deonach Gu bhith dìleas dhuit ’sa chomhstri; Ach am bàt’ a b’ fhearr a sheoladh Cha digeadh e a chòir a chala. Thug sinn bàt’ air uallach guaille ’Chean Loch Ghot, ’s b’ e port a chruadail, ’Dhol gu Muile nam beann fuara Dh’ aindheoin doinionn cuain is gaillinn. Ghabh an t-Eileineach a cùrsa, ’Gearradh geal nan tonnan dùbh-ghlas; Shaoil mi gu’m b’ e Ceap an Dùitsich Fearann Mhuile dlùth air Stafa. [TD 116] Gaidheil an Rois Mhuilich fhuair sinn Cridheil, caoimhneil, aoibheil, uasal; Siol nam fear a’s fhad o’n chualas A chuireadh an ruaig ’s a leanadh. B’e Diciadain lath’ a chruadail ’S Earraghaidheal riut aig tuasaid; Anns an fhichead blàr bha buaidh leat. ’S lean thu ’n ruaig le luchd nam breacan. ’N ath Dhiluain bha sgeula gairdeachais Aig uile Chlann nan Gaidheil; Ach bha beanntan Earraghaidheal dhuit Le barrachd gràidh a lasadh. Teine mòr air beanntan uaine, Piobairean a cluich gu h-uallach; ’S bha guth gairdeachais an t-sluaigh A togail fuaim a ghluais Mactalla. Bidh na bàird a deanamh òrain, Anns gach coill gu’n seinn an smeorach; ’S cha’n fheil fear do ’m buin an céol sin Ach luchd-tagar còir an fhearainn. Tha do chàirdean leat gu d’ chòmhnadh, Gu bhith seasamh taobh na còrach; Tearlach Friseal-Mac-an-Tòisich, ’S an t-Urramach òg Mac-Calum. Tha iomadh Ahab foilleil dalma ’N diugh ’an Gaidheltachd na h-Alba, ’S b’ fhearr gu’m faicinn fuil gach cealgair Is a charbad fo na madaibh. Thigeadh “Tim an Obain” sabhailt, Mar cholman Noah do’n airc, [TD 117] Le fios gu’n robh an tuil air tràghadh, Ged a chuir i fàs an talamh. Bliadhna mhath ùr don Bhànruinn, Is do Ghladstone, ’s Domh’ll Mac-Phàrlain, Gu bhith tabhairt ceangail làidir Do na Gaidheil air an fhearann. DEOCH-SLAINTE DHOMH’ILL MHIC-PHARLAIN. FONN:—“A nighean donn an t-sugraidh.” Deoch-slainte Dhomh’ill Mhic-Phàrlain; Is duin’ uasal, suairce, bàigheil thu; ’S tha dùrachd Chlann nan Gaidheal leat A h-uile là ged dhealaich sinn. ’S ro lionmhor àit ’an òlar i, An tir nan gleann ’s nam mòr-bheannan, Deoch-slàint an uasail mhòralaich, ’S a chuireas òr ga ’ceannach dha. Is òlaidh sinn le dùrachd i ’An tir an fhraoich gu dùthchasach. Bho’n ’s urram mòr do’n dùthaich e, Thu dhol do chùirt nan Sasunnach. Duin’-uasal miosail, iomraiteach, Mar thobar glan nach tiormaicheadh; Ged bha na h-urad iorghaill Aig Mac-Fhionghain ’s aig Polltalloch riut. Rìnn Earraghaidheal dearmad ort, Le mheud ’sa bh’ ann de chealgairean. [TD 118] ’S e sin an diugh ’chuir Scairinnis Bhith cho ainmeil ri Sebastopol. Ri gaillinn ’s doininn geamhraidh Ged rinn Earraghàidheal ceannard dheth, ’S e rinn an t-olc na mealltairean ’S na thainig ann de shliomairean. Na laoich a’s fad bho’n chuala sibh Air muir is tir bha cruadalach, ’S e ’n t-eilein iseal uaine so An t-àit bu dual d’an seanairean. ’S an caraid riamh bha dìleas dhuinn, A leag mu sgaoil na priosanaich, Bidh urram fad gach linn aige, ’S tha beannachd tìr na gainimh leis. ORAN DO THEACHDAIREAN NA BANRUINN. FONN.—“Clachan Ghlinn-daruail.” Luinneag. O seinnibh cliu nan teachdairean; Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann, Ciad soraidh slan thar chuanntan Leis a Chomunn uasal, rioghail. Ach saoghal buan do’n Bhanruinn, ’Thug do’n chomunn àithne rioghal, Gu teachd do’n eilein uaigneach so Air uchd a chuain gu h-ìseal. [TD 119] Tìr bharr fo thuinn ’s nan garbh thonnan, An t-eilein ainmeil, fiochail; Gu buan tha fuaim na fairge ris, ’S e Tiriodh ainm r’a innse. Thug sinne sgeul na còrach dhaibh, Bha chuid bu mho dheth sgriobhte; Le gearan seasmhach, sònraichte De ’n chuid bu bhòidhche ’n fhirinn. Tha dòchas math is dùil againn Gu’n dean an Diuca sìth ruinn; ’S gu’n éirich grian na h-ùr mhaaidne, A nì gach stùc a dhìreadh. Ged tha an t-eilein cliuiteach so Do’n Diuca ’n diugh toirt chìsean, Cha b’ ann le ceart no cruaidh lannan A fhuaradh e le shìnnsre. ’S e cuilbheartan, is lùbaireachd, Is sodal-cùirt’ is slìobadh, Is rioghalachd ar triathan-ne ’Chuir e fo ’r iaghladh mìllteach. Mar luing ’bhiodh ga ’tonn-luasgadh sinn, ’S gach sadadh cruaidh a strì rith’; Ach gheibh sinn cala sàbhailte Ma bhios na Gàidheil dìleas. O dheas gu tuath de ’n Ghàidhealtachd, O’n tha gach àit’ is rìgh air, Chuir iad fo fheidh ’s fo chaoirich i, ’S tha sliochd nan laoch ga ’n diobradh. O’n rinn na caoirich fàsach dhi, Le togail màil is chìsean, [TD 120] Tha ’glinn le straithean ’s munaichean Gun duine beo ach ciobair. ’S e creathall clann nan Gàidheal i, Tir fhallain àrd nam fior shruth, ’S tha còir aca cho sean oirre ’S nach urrainn eachdraidh ìnnse. ’S è tìr nam beann ’s nan gaisgeach i, Is tìr nam breacan riomhach, ’S i ruith o Thigh Iain Ghròta Gu ruig Maol na Oighe ’n Ile. Nuair bheir iad suas an teachdaireachd Bidh luchd an fhearainn dìte, ’S thig meas air “Tim an Obain” Anns gach baile mor ’san riogachd. Na teachdairian; the commissioners appointed in 1883 to enquire into the condition of the crofters and cotters of the Highlands and Islands of Scotland. ORAN DO CHLOINN GHILLEAIN. FONN:—Mo run geal dileas. Luinneag. O ’s ann an Glaschu nan stìòbull àrda Tha clann nan Gaidheal a nis gu léir, A cumail cuimhn’ air na gaisgich chliùiteach A ghléidh an dùthaich d’ an sliochd na’n déidh, Fhuair mi litir o shàr dhuin-uasal, A rinn mo ghluasad o’n àm so ’n dé; [TD 121] ’S nam biodh e ’lathair ’s mi chuireadh fàilt’ air. Gu cridheil càirdeil air sgàth a sgeul’, Mu Clann Ghilleain nan lann ’s nan luth-chleas, ’Bu deas a dhùisgeadh gu dol air ghleus, Bhith cruinn an Ghlaschu fo ’n sàr cheann-àrmailt’; Na treun laoich chalma bu gharbh am beum. ’S e fir nan clogad nan sgiath ’s nan lùireach ’S nan lannan rùisgte ’bu mhath gu streup, Is an struth garg, fuilteach, fraochar, feargach, Nam brataich ghairbh air bhàrr chrannaibh réidh. Aig Ionarchéitean bha iomadh dearbhadh Air fuil bhras mheanmnach nam fear nach géill; Nuair theich an reiseimeid each le ’n ceannard Có sheas ’san àm sin ach clann nan treun! An righ ’s an dùthaich chosg iad gu daor dhaibh, Bu lionmhor laoch a thuit anns an streup. An là ud “Gaoir nam ban Muileach” chualas, ’S bheir sinne luaidh orra ’n diugh nan déidh. Thug eachdraidh seanachas orr’ mar dhream ainmeil; Gur tric a dh’ fhalbh iad le coin air éill, Fo chrios bhall airgid is adharc fhudair, Air feadh nan stùc-bheann le gunn’ air ghleus. Air lochan glan o shruth bras nam fuar bheann, An eal’ air uachdar is breac a leaum, Bu tric a mharbhadh leoth’ bradan tarra-gheal; ’S bhiodh iad ’sa gharbhlach a sealg an fhéidh. Bhiodh brògan fraochain orr’ ’s osain bhalla-bhreac, Sgian dubh ’s i lanna-ghorm fo ghartan réidh; Bhiodh sporan tlachdmhor mu ghlùinean ghaisgeach Air féileadh snasmhor de ’m breacan féin. [TD 122] Bhiodh còta gearr orr’ is breacan guaille, ’S gach ni bu dual dhaibh ’bhith air an réir; Le boineid ghuirm agus it an fhìreoin, Is ribin riomhach de ’n t-sìoda réidh. BEAN BHOCHD AM MANITÓBA. Le Eachann Mac-Gilleain. Luinneag. Horo tha mi muladach, Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi; ’S e càirdean caoimhneil cuireideach A chuireadh dhiom an smuairean. Is mise th’ air mo leònadh Ann an dùthaich Mhanitóba ’S mi ga ’m chiùrradh leis an lòinidh Agus deud mo bheòil air fuasgladh. Tha’m fuachd cho mór ’s an dùthaich so ’S nach d’ fhàg e neart no lùths annam, Oir ged tha’n fhiarag dùbhailte Gu’n d’ reodhadh cùl mo chluasan. Tha madaidh-alluidh gharg, fhuileach Mar ghainimh tràigh nam fairgeannan A donnalaich ’san anmoch ’S a cur farbhais oirnn is uamhais. Tha Innseanaich ro iargalta Gach oidhch’ is là ’cur fiamha oirnn; Cho dubh ri sùith tha ’m bian aca ’S cha chuir an siobunn snuadh air. [TD 123] Tha ’ghaoth cho cruaidh nuair shéideas i ’S nach fàg i brat no bréid againn, Bidh ’n darach cruaidh a géilleadh dhi, ’S an tigh gu léir a luasgadh. Bidh dealanach le tàirneanaich A bualadh bhuar is bhàthaichean A burach tholl is làraichean ’S a trusadh bàrr nan cluaintean. Bidh falaisgean ro eagallach A losgadh feòir is phreasaichean ’S gur gann a gheibheadh teicheadh as, O ’n teas, an t-each a’s luaithe. Bith nathraichean glas lùb-dhromach Fo bhonn ar cas ga ’m plùchadh leinn, Mar chudaigean cho siùbhlach Nuair bhios an liù ga’n ruagadh. Tha cuileagan cho lìonmhor ann Cha’n fhàg iad bàrr no biadh againn; Nuair thig am blàths bidh ciadan dhiu A sàs gu dian am ghruaidhean. An uair thig teas an t-samhraidh oirnn Cha’n fhàg e càil no cainnt againn, Cha’n iarr sinn biadh no annlann, Is gur gann a nì sinn gluasad. ’S e b’ annsa leam bhith ’n dràsda Ann an tìr nam beanntan àrda Ann an Caragraich nan sàr laoch A tha cridheil càirdeil suairce. Oir ged tha fearann saor againn, Le crodh, is eich, is caoirich air, [TD 124] Tha mis’ gu tric a caoineadh Is gun aon a ghabhas truas rium. Gidheadh tha agam gàirdeachas Nach ceannaich òr na bànruinn bhuam; Cha doir am bròn am bàs dhomh, Agus Niall Iain Bhàin cho suairce, LACHAINN MAC-GILLEAIN. Lachlan Maclean—Lachainn mac Neill mhic Dhomhnaill mhic Iain—belongs to the Achanansabhall branch of the Macleans of Coll, and was born in the island of Rum. He has been for a number of years a merchant at Tobermory. He is popularly known as Lachainn Neill. ORAN Do dh-Alasdair Og Mac-Gilleain, oighre Chola, a dh’ fhalbh gu Natàl ’sa bhliadhna 1849. Luinneag. An gille dubh cha tréig mi ’S do dh-fhear a chruidh cha gheill mi, An gille dubh cha tréig mi, Bho’n thug mi spéis do dh-Alasdair. Gur h-e mó cheist an t-àrmunn A dh-fhas de ’n choill a b’ àirde; Ged leagadh dh’ ionnsuidh ’n lair i, Bidh friamh gu fàs ’san earrach aic’. [TD 125] Thig snomhach oirr ’sa gheamhradh, ’S cha dean an reothadh call di, ’S thig duilleach oirr’ ’san t-sàmhradh ’Nì dion do cheann nan airsnealach. ’S e ’n uaisle bhith na d’ nàdar, Is ceartas air son pàigheadh, ’Chuir thu cho fad bho d’ chàirdean ’S a chuir thar sàil a ’r sealladh thu. Mar chomhachaig nam beanntan Fo mhùiseag ian nan gleanntan, Tha sinn fo smachd nan nàimhdean ’Tha campachadh ’san fhearann so. ’S e ’s coimeas dhuinn an dràsda Fear fann ’s e siubhail fàsaich, Gu h-ìotmhor, acrach, sàraicht’, Gun àit gu casg a ghalar deth. Gur h-ann air chùl na gréine ’Tha ’n t-uasal ’dheanadh feum dhomh; ’S ann tha mi ’n so mar dhéirceach, Gun neach na d’ dhéidh ri ’n gearain mi. Cha sàsaicheadh an t-òr mi, Ged bheirteadh dhomh na ’thorr e; Gu’m b’fhearr leam t’ fhaicinn còmhl’ rium Le còirichean an fhearainn so. Gu bheil mi ann an dòchas Ma ’s ceithir bliadhna beò mi Gu’m faic mi thu na d’ chòmhnuidh An àite a Chòirneil Alasdair. [TD 126] ORAN AIR NA CROITEARAN. Luinneag. Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì, Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì, Fal o hog i o, agus ó haro hì, Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth. Bu chogadh ’bha ’m bheatha bho ’n dh-fhàg mi bhith m’ phàisd, ’S gur tric a bha m’ fhallus ri frasadh gu làr, ’S nach fhaighinn an cadal le goirteas mo làmh, ’S mi gun aodach, gun chaiseart nuair phàighinn an màl. Air uachdarain an fhearainn cha b’ aineolach mi, A thog an cuid mhàiltean cho àrd ri tri-fìllt; ’S iomadh sean agus òg a bha chòmhnuidh ’san tìr ’Rinn sibh fhògradh air aineol gun leaba, gun dìon. ’S ma thig oirnn na nàimhdean a nall thar a chuain, Gu’m bi ceannardan Shasuinn ag agradh gu cruaidh, Ag ionndrainn nan Gaidheal ’sna blàir bu mhór buaidh, Le ’n cuid bhiodagan stàilinn ’s tric ’rinn àr air feadh sluaigh. Luchd nam féilidhean ballbhreac bha ainmeil ’s gach lìnn, A ghleidheadh an larach is onair an rìgh, Tha’n diugh air an sgapadh ro fhada bho ’n tìr ’S a bheil cnàmhan an seanar na ’n laigh anns a chìll. Chaidh na Gàidheil a sgapadh mar mholl leis a ghaoith, ’S cha ’n fhaic mi ’n diugh gruagach air buail’ a chruidh laoigh, Ged théid mi air astar cha’n fhaic mi ’sna glìnn, Ach ciobair le ’bhreacan ’tarruinn bragsaidh nam miol. [TD 127] Cha dean caoirich ’s crodh ballach, ’s cho mhó ni na féidh; ’S cha dean ciobair no geamair le ’n cuid mhadaidh air féill, An àite nan gàisgeach ’sna blàir bu mhór euchd, Ged a rinn sibh an sgiùrsadh gu dùthchannaibh céin. Cha’n fheil rioghachd air thalamh ’s am bidheadh na séoid, Nach doireadh dhaibh fearann bho’n deanadh iad lòn, Ach Breatann mór uaibhreach le h-uaill is le ’spòrs, ’Rinn na laghannan cruaidh’ tha toirt bhuainn ar tigh’nn beò. Ri riaghailtean Shasuinn is Alba le chèil’, Cha’n fhaighear cho tàireil an àite fo ’n ghréin; Tha miolchoin ga’m biathadh le fialachd is spéis, ’S na leanaban lag tana le gainnid a bhéidh. Gach cearc bh’ air an fharadh aig boirionnach truagh, ’Bha gun bho aic’ gun ghearran, gun chaora, gun uan, Ged b’ e sud a cuid stòrais ’s a lòn dhi ro chruaidh, Le ordagh an t-siorraim gu ’n dugadh iad bhuaip’. Bidh gach diùc is fear-fearainn ’an diomb ruinn gu léir ’Chionn bhith ’g iarraidh an àit ’bh’ aig ar pàrantan féin, Ach seasaibh gu daingeann is tagraibh gu treun, ’S bidh agaibh buaidh làrach ’s thig iadsan fo ghéill. Geamair, a gamekeeper. [TD 128] ORAN A rinneadh leis a bhàrd air dha ministear a choinneachadh a thubhairt ris gu’n robh a Ghàidhlig air bàsachadh. Is latha dhòmhsa ’falbh mu’n cuairt, Gu h-uaigneach gabhail sràid, Co dh’ amais rium ach bodach gruamach, Duaichnidh am measg chàich. Bha ’fhalt na ’dhualan sios mu ghuaillean, ’Mhalan fuath’sach grànd’, Is thuirt e rium le goimh is fuath Gu’n d’ fhuair a Ghàidhlig bàs. Thuirt mise ris gu grad air ais, Nach faiceadh e ri là, A Ghàidhlig uasal, asmhor, ghasd’ A dol an glaic a bhàis Gu’m biodh i beo a lìnn gu lìnn, A dhaindeoin mì-run namh, ’S a cliu ga ’sheinn air muir ’s air tìr Le obair ghrìnn nam bàrd. Rach ’s falbh o’n ear gu ruig an iar, O’n tuath do ’n àirde deas, Rach ’s siubhail thar gach fairge ’s cuan Do dhùthaich fhuair no theith, Is gheibh thu ’Ghaidhlig bhlasda bhìnn ’S gach tìr ’san gabh thu tàmh; Cha déid a dioch’nachadh gu sior, ’S am faicear crioch gach là, ’Chainnt mhilis bhàigheil ’bh’ aig ar màthair’, ’S sinn na ’r pàisdean og’ Ged ’s tric i faotainn claoidh is tàir Le gràisg a ’s faoine ceol, [TD 129] Fhad ’s shileas sneachd air beanntan ard’ ’S muir tigh’nn gu tràigh lo chròic, No fhad ’s bhios caìnnt am beul nam bard Gu’m mair a Ghàidhlig beo. NIALL MAC-GILLEAIN. Neil Maclean was born at Caolas, Tiree, on May 1st, 1842. His father, Lachlan Maclaine, was the son of John Maclean—Iain mac Dhòmhnaill mhic Thearlaich mhic Eoghain. His mother, Ann Maclean, was the second daughter of Neill Maclean, brother of John Maclean, the poet. He married on February 4th, 1885, Catherine, eldest daughter of Donald Macfadyen and Mary Maclachlan in Bail’-a-Mhuilinn, Mull. He resides in Glasgow, at 2 Rutland Crescent. ORAN MOLAIDH Do Ghiorsal Nic-Fhionghain air do’n bhàrd a faicinn aig bàl nam Muileach. Luinneag. Air fàill ill o na hùg oirinn o, Air fàill ill o na hùg oirinn o, Air fàill ill éile hùg oirinn o, ’S lionmhor buaidh air mo bhean-dùthcha. Oidhche dhòmhsa ’s mi aig bàl Le muinntir Mhuile nam beann àrda, Dhearc mo shùil air òigh ’s i mearrsadh, ’S chuir i càch gu leir fo sgàile. [TD 130] ’S beag an t-ioghnadh leam mar tha thu, Fallain seang, gun mheang, gun fhàilinn Bho do ghruag a sios gu d’ shàiltean; ’S ùrail grinn a choill o’n d’ fhàs thu. ’S lionmhor oigear bhios a feoraich Gu de’n t-àit do ’m buin an og-bhean. Buinidh i do thìr an eorna, Ged a dh’ fhàg a h-athair og i. Tha i cumadail, deas, dìreach, ’S math i thig dhi gùn de ’n t-sioda, Cas a’s grinne dhol tróimh ’n rìdhle; ’S leat cliu ’bhàil ’s gach àit am bì thu. Tha na Muilich ’s iad fo mhì-ghean, Thug thu ’n t-urram bhuap’ da-rìreadh; Measg an gleanntan maiseach mìne Cha’n fheil ac’ na bheireadh dhiot e. ’S lionmhor fleasgach ’bh’ ann le maighdinn, Sùil aca ri cliu na h-oidhche; Mar a ghrian measg reul a boillsgeadh Dhearrsadh tu nam measg mar dhaoimean. Muineal geal mar shneachd nam mòr-bheann, Bilean tan’ air dhreach nan ròsan; ’S lionmhor uasal ’s aithne dhòmhsa Rachadh mìl’ air sgriob do phòige. T’ anail chaoin mar ghaoith ’san og-mhios, No mar oiteig bharr thom ròsach; Leam a b’ éibhinn bhith ’sa chòisir Nuair thogadh tu séisd nan òran. Tha thu caoimhneil, aodheil, cairdeil, ’S cha’n fhac’ mi riamh gun fhiamh a ghàir’ thu; [TD 131] Gun mhòrchuis, gun mheud mor, gun àrdan, ’S tu cho uasal suairc ad nàdar. Gu ma fada maireann slàn thu, ’Sheasamh cliu na tir’ a dh’ fhag sinn; ’S nan robh mise ’san taigh-thàirne, ’S mi gu’n òladh do dheoch-slainte. Soiridh bhuan le buaidh do’n ainnir ’Choisinn cliu bho thìr na gainnimh, Le rogh’ céile ’s cléir ga’n ceangal; Pailteas maoin dhuibh ’s saoghal fada. ORAN Do Mhairearad Nic-Dhòmhnaill. Luinneag. Bu chaomh leam bhith mire, bhith mire, bhith mire, Bu chaomh leam bhith mire ri rìbhinn ghloin oig; Bu chaomh leam bhith mire ri ’taobh mar a shuidhinn ’S mo gràdh air a bilean nam sireadh nam pòg. Tha mais’ agus loinn an am pearsa na maighdinn, ’S i siobhalta caoimhneil is aoibheil na dòigh; Is fior fhuil gun truailleadh Chloinn Dòmhnaill a chruadail Na ’cuislean a bualadh gun uabhar, gun spòrs. ’S math thig gùn air an ainnir de’n t-siod anns an fhasan; Tha cneas mar an canach ’s tha h-anail mar ròs Tha deud mar na dìsnean ’s i fallain, deas, dìreach, ’S cha digeadh ach firinn bho bhriodal a beoil. ’S ann ort a tha’n cuailein ’tha camalagach, dualach, ’S cha mhios’ e an cuaich air ’chur suas mar bu nòs; [TD 132] Sùil dhonn is caomh sealladh fo ’n mhìn rosg a’s gloine, ’S dh’ éisdeadh eunlaith na coille mar sheinneadh tu céol, Mo bheannachd na d’ chuideachd gach taobh ni thu suidhe, ’S tu ’s eireachdail cumadh bho d’ mhullach gu d’ bhròig; Cas chuimir ghrinn inich gu siubhal an fhirich, ’S cha’n ioghnadh na gillean bhith tigh’nn air do thòir. Ma gheibh thu mo dhurachd ’s ann dhuit nach bi curam, Bidh do chéil’ umad mùirneach ’s gach cuis mar bu chòir; Ann ad stòr gu’n robh pailteas is òr na d’ thigh-tasgaidh, Gun eiginn, gun airc ort cho fad ’s bhios tu beo. ORAN A rinneadh an ainm nighinn oig. Luinneag. Bha mi ’n raoir gu sùnndach sùnndach, Bha mi ’n raoir gu sùnndach sùnndach; Tha mi ’ nochd ’s mo chridhe tùrsach, ’S mi ri ionndrainn a ghil’ oig. ’S lionmhor buaidh a th’ ort ri ’àireamh, Ged nach innis mis’ ach pàirt dhiubh, ’S cumadail deas grinn air sràid thu, ’S tu mo ghràdhsa de’n bheil beo. Gur h-é mise ’thug an gaol dhuit, ’S mi nach aicheadh air mo dhaoin’ e; Do dha ghruaidh cho dearg ’s na caoran, ’S bheirinn fhin le faoilt dhuit pog. ’S math thig sùd dhùit ’shiubhal garbhlaich, Feileadh preasach, sporan seana-bhruic, [TD 133] ’S cuma bhradain air do chalp’ Fo osan balla-bhreac sealg air eoin. ’S lionmhor gruagach th’ ann an deidh ort, Eadar so is rutha Shléite; Culaidh fharmaid do na ceudan, Ge b’ e gheibh o’n chleir ort coir. Gur a tric mi ort a bruadar ’S dh’ fhagadh sud mo chadal luaineach, Anns a mhaduinn ’s mor mo ghruaimean, Gun thu luaidh a bhith ga m’ choir. Bu tu fhein am fìor dhuin’-uasal, ’S cul do chinn mar fhitheach bhruachan; Gheibhinn cadal leat ’san luachair Le gaoith tuaith is oidhche reoit. Tha thu taitneach ann ad nàdar, Tha thu caoimhneil, fialaidh, bàigheil; B’ e mo mhiann bhith suidhe làmh-riut ’G éisdeachd mànrain bhìnn do bheoil. OIDHCHE NA DUNÀRA. Luinneag. Thug mi ’n oidhche ’n raoir ’sa bhàta, Thug mi ’n oidhche ’n raoir ’sa bhàta; Thug mi ’n oidhche dhoilleir fhiadhaich ’S a chuan shiar gu tìr nan Gaidheal. ’Bhliadhna na faidhreach ’chaidh seachad, ’S càch gu h-éibhinn a dol dhachaidh, Thog mi ’m poca leam na m’ achlais, ’S ghabh mi ’n t-aiseag ’san Dunàra. [TD 134] Nuair dh’ fhag sinn am mach a Grianaig Bha i boidheach ’s fiath nan ian ann, ’S bha na h-ìonagan ro chiatach, Gach te riamh dhiu ’s fiamh a ghàir’ oirr’. Bha meud mor ’s a h-uile tè dhiu,— Tiristich a bruidhinn Beurla, Muilich ’s Sgitheanaich, ’s b’ e ’m beud e; Chaill iad gu léir an cuid Gàidhlig. Thoisich fear air gleusadh pioba, ’S thòisich danns’ air a chlàr-ìseal; Is ma dh’ innseas mi an fhìrinn, Saoil nach robh mi-fhìn ’san àireamh. Bha na h-ìonagan cho spòrsail, ’S air an sgeadachadh cho leomach; ’H-uile te le uladh còmhdaicht’ ’S it’ an eoin nan adan àrda. Shìl i, ’s shéid i, ’s dh’ fhàs i dorcha, ’S gu’n do bhòc an fhairge colgach; Cha robh leithid sud de stoirm ann O’n bhliadhn’ a dh’ fhalbh am buntàta. Nuair a bhòc an fhairg’ na ’gleanntan, Cha chluinnteadh Beurla ’s an am sin; Ghlaodhadh gach te, Cùm, cum teann mi, Tha mo cheann an imis sgàineadh. Chuala mi guth tiamhaidh, brònach, Bho Nic-Mhuirich as a Mhòintich, ’S i ag ràdh ri Liùsaidh Bròige, ’S math dhe ’n té tha’n còir a màthar. Mu ’n d’ ràinig sinn Maol Chìnntire Chaidh an ceol air feadh na fìdhle; [TD 135] Cha robh té nach robh na ’sìneadh ’S lùb dol air a driom le spàirneachd. Chìteadh thall ’s a bhos na ’n sìneadh Gruagan feall air a chlàr-ìseal, ’S cìrean cùil a dol nam pìosan; ’S ann leam fhìn nach b’ aobhar gàir’ e. Nuair a ràinig sinn na Torrainn Bha ’mhuir gharg na ’mìll a roladh, ’S chluinnteadh osnadh throm air osnaidh ’Tigh’nn bho luchd nan dosan cràsgach. Nuair a ràinig sinn Bun-easain Is a dh’ éirich sinn na ’r seasamh, ’S iomadh ribin grinn ’bha preasach, ’S iomadh deis’ a bha ri ’càradh. ’N té a chaill a dronnag Ghreugach Thug i leum a null gu h-eutrom Gu ball-dionaidh ’dheanamh gréim’ air, Ach ’s beag feum ’bha dhi ’san àrcan. ’N fheadhainn ’bha ’san oidhch’ cho spòrsail ’S nach dannsadh iad rìdhle comhl’-ruinn, Cha dugainn fhin ’sa mhaduinn gròt orr’; Dh’ fhan am bòsd, ach dh’ fhalbh an àilleachd. Fhuair sinn sàbhailt do ’n tir ìsil, ’S bheir mi ’n dàn so gu ceann-criche; Ach cha leig mi ’m feasd air di-chuimhn’ Oidhch’ na dìl’ air an Dunàra. Uladh, ulster. Gruagan feall, chignons. Dronnag Ghreugach, Grecian bend. Ball-dionaidh, fender. [TD 136] TIONAL CHLOINN GHILLEAIN. Luinneag. Tha tional tha tional an dràsd aig gach cinneadh, Tha tional tha tional aig gach cinneadh an dràsd; Clann Ghilleain a tional air an ochda la fichead, Bidh ’aighear ’is iomairt aig gilleain mo ghraidh. Gur mis tha gu h-eibhinn ’sa’ mhaduinn ’s mi ’g éirigh O’n chula mi sgeul a thog gleus air mo chàil, Mu chinneadh na feile bhith coinneachadh ri chéile, Clann Ghilleain nan geur-lann nach géilleadh do nàmh. Le ceann-cinnidh tha macant, d’ an dual a bhith beachdail, O Dhubhairt a Chaisteil, ’s b’ e cleachdadh nan sàr Gu ’n seasadh iad díleas an onair na rioghachd; Tha eachdraidh ag innseadh mu’n gniomhan ’sna blair. Nuair sgaoileas e ’bhratach bidh tional air gaisgich, O’n iar is o’n ear thig iad air as gach cearn; Le fior-fhuil gun truailleadh nan cuislean a bualadh, Bhith dileas bu dual doibh gu buaidh no gu bàs. Bho na Leathanaich ainmeil ’s gach cearn as an d’ fhalbh iad, Mar leoghann is colg air bu doirbh dhol nan dàil; Cha bu spiochdairean cruaidh iad, na ’n nadar bha ’n uaisle; Gun tric rinn iad fuasgladh air truaghain na ’n càs. Na d’ shuaicheantas fiachal tha bradan an fhior-uisg, ’S an struth maiseach, riogail, a direadh an àird, Ròin a bhéin riomhaich is long nan crann dìreach, Lamh dhearg le crois sìnt’, caisteal dìdinn is màm. [TD 137] Sud a choill bha gun chrionaich ’san stochd o’n do chinn thu, ’S ioma meanglan deas priseil a dhirich an àird, Eadar Carsaig ’s Lochbuidhe ’s Torloisgt ann am Muile. Aird-ghobhar nan curaidh, is Dubhairt nan sàr. Bha teaghlach nan Colach lan meas agus onair, Gum b’ fhoghainteach fearail am Breacachadh dh’ fhàs; Cha bu shùgradh am fearg nuair a dhuisgeadh an colg, Bhiodh e ’n cùnntas nam marbh ge b’e thairgeadh tigh’nn dàn. ’Sioma ceatharnach ainmeil de theaghlach nan Druimnin, Nuair thoisicheadh iorghaill le’m b’ionmhuinn am blàr; ’S iad le’n cinneadh air thoiseach aig latha Chuil-fhodair, Mar mhiolchoin air lomhain air son a bhith ’n sàs. An t-oighr’ thig ad dheidh-sa air cinneadh na féile, Na di-chuimhnicheadh beusan nan treun laoch o’n d’fhàs; Biodh e iochdar ri truaghain ’s ri dìlleachdain shuarach ’S anns a Ghàidhlig bidh uailse air luaidh leis na bàird. CÉILIDH CHLOINN GHILLEAIN. Luinneag. Seinnim duan do Chlann Ghilleain, Cuiream eallain dhaibh air saod; Do ’m bu dual bhith ann am Muile ’N caisteal Dhubhairt ’n taic a Chaoil. ’S ann an nochd a thruis na diulnaich, Sud na fiuran nach robh faoin, Clann Ghilleoin nan sròl ’s nam breacan, Suas a bratach, ’chlann mo ghaoil. [TD 138] Bha iad foinnidh, fearail, calma, Bha iad ainmeil anns gach taobh; ’S gu bheil eachdraidhean ga dhearbhadh Nach robh ’n fhin’ ud cearbach claon. Càit an cualas riamh fo mhasladh Sliochd nam mac bho thaic a chaoil; Chuidich iad aig Blar-na-Lairge ’Thoirt do Ghaidheil Alba saors’. Aig Sliabh-an-Shiorraim sheas iad dìleas, Ged bha tri riu mar an aon; ’S e mo ghràdh a chlann nach diultadh, ’Sgap iad feachd an Diuc air raoin. Gu ma buan gu ’n robh thu, Iain, Mach bho Ionar-nis nan croabh; Meanglan priseil a Dochgarroch, Ursan chath’ nach crath ri gaoith. Saoghal fada dhuit a Mhànuis, ’S onair ard thu thìr an fhraoich; ’S thug thu sgial mu thurus Eachainn Air each deataich dhuinn Diardaoin. Soraidh slan gu’n robh do’n chinneadh, Buaidh is piseach air na laoich; ’S gu ma fad iad ’tional comhla, ’S piobairean ’cur ceoil air saod. CÉILIDH MHIC-GILLERUAIDH. Oidhche dhomsa-sa ’s mi air chuairt, Gu’n d’ thog mi suas am bràighe orm, Dh-ionnsuidh céilidh Mhic-Illeruaidh ’Tha cumail ’suas na Gaidhlig dhuinn, [TD 139] Ri gabhail òran ’s a scinn dhuan Mar chuala sinn bho ’r pàrantan. ’S e ’n ceol a’s binne chuala cluas Na gruagaichean ’seinn Gàidhlig dhuinn. ’S cuimhneach leam nuair bha mi òg Bhiodh clòithean ac’ ’sa Ghaidhealtachd, Bhiodh gruagaichean a luadh air cléith ’S gu’m b’ éibhinn a bhith làmh riutha; Iad cur nan oran air an gleus ’Sa chainnt bh’ aig Eubh ’sa ghàradh dhuinn; ’S bu bhinne leam na ceol na teud Nuair thogteadh séisd nan dàna leo. Ged a dh-fhag sinn tìr ar dùthchais, ’S dù dhuinn gu’m bi bàigh againn Ris a chànain mhaisich chiuin A dh-ionnsaich sinn o ’r màthraichean. ’S fhad ’s a bhios duilleach ’fas air crann, No ’bhuaileas tuinn ri traigheannan Bith cliu ’n duin’ uasail so air chuimhn’ O’n ghabh e suim de ’r cànain-ne. Ged nach cluinn sinn stuadh a chuain Air carraig chruaidh mar thairneanaich, No torman binn ri taobh a ghlinn Aig sruth an uillt mar bàbhaist dhuinn, Bidh againnn gradh gach la na ’r crìdh Do chànain tìr nan ard-bheannan,— Chaidh uimpe sian bho chian nan chian, ’S ged bhios i liath cha bhàsaich i ’S gu’n robh soirbheachadh ’s gach ceum Dol leis a chéilidh Ghàidhealach so, Far ’m faod sinn còmhlachadh ri cheile Mar ’bha’n treubh o’n d’ thainig sinn. Bidh siol nan laoch le ’n caidreabh caoin, Feadh lagain fhraoich na Gaidhealtachd [TD 140] ’S cainnt nam beann ga ’cur air fonn Le sliochd nan sonn a dh-àraich iad. Mhic-Illeruaidh gu’n robh leat buaidh A cumail suas na Gàidhlig dhuinn: Seas gu teann dileas i ri d’ lìnn ’S na leig oirr’ spìd no tàmaille, Ach cum i suas le cliu is buaidh, A chànain usal’ mhàthaireil, ’S bidh cliu do gniomh ga sheinn gu binn ìnnt’ Leis an lìnn nach d’ àraicheadh. ORAN A CHEILIDH. Luinneag. Ill à horinn hug is hórinn, ’S mi tha coma de their càch ris; ’S toigh leam fhein bhith anns a chéilidh ’G éisdeachd sgeulachdan ’sa Ghàidhlig. Bidh iad leinn a Eilein Leòdhais Siol non daoine coire bàigheil, Far am faigh an coigreach biadh Is far nach d’iarradh riamh air pàigheadh. Ged tha na h-Earradh creagach ciar, Gu’n dean ’chuid nionag sniomh is càrdadh, ’S ainm an diugh dhiubh feadh an t-saoghail, ’s cuid de’n aodach air a bhànruinn. Bidh iad leinn o dha cheann Uidhist, Tir a mhurain ’s tir na h-àirigh; ’S iomadh gruagach bhanail bheusach Bhiodh air féill o Loch a Chàrnain. [TD 141] Bidh na Sgitheanaich o’n tuath ann, ’S fallain uasail fuaim an cànain; ’S fàgaidh mis’ an cliu oirr’ sgriobhte, Aig an linn nach deachaidh àrach. Bidh na Rumaich leinn ’s na Canaich Eigich ’s Rathasaich gun àireamh, ’S Mucanaich o’n Eilein iosal, ’Sheasamh dileas taobh na Gàidhlig. Sliochd nan loach o’n Eilein Cholach ’S tric fhuair onoir anns na blàraibh. C’ àit an cualas riamh orr’ cùnntas Far an dug iad cùl ri nàmhaid? Bidh iad o Mhuile nan craobh ann, Innis nam ba-laoigh ’s nan ard-bheann. ’S fhurasd’ aithneachadh air an snuadh Nach b’ ann mu bhruachan Chluaidh a dh’ fhàs iad. Bidh iad leinn o Chìochan Dhiùra, Sliochd nan diulnach ’stuireadh bàta; Cùl an cinn mar sgéith an lòin-duibh ’S an gruaidhean mar ròs an garadh. Bidh na Fìnnich ann an toìr orr’, Sgriob am poig air fear no dha dhiubh ’S iomadh rud a dh’ fhaotainn ìnnseadh; ’Ghaol na sith gu’m mi sàmhach. Bidh iad ’sa cheilidh leinn gach oidhche, Cailean grinn a seinn nan dàn dhùinn; ’S cuid aca nam buill de ’n Chomunn, Taobh Lochodha chaidh an àrach. Cha di-chuimhnich mi ’n t-eilein uaine A siar ’s a tuath an Earraghaìdheal; [TD 142] Ged nach fhasadh craobh am dhùthaich Gheibht’ ann flur nan cailean Gaidhealach. A chuid mhac cho fallain fuasgailt, Cha do sheol a Cluaidh ’thug barr orr’; ’S bhuinig fear dhuibh ’n réis a Sìna, ’Choisinn cliu do ’n tir a dh’ fhàg e. Leanaibh dlùth ri cliù ’ur sinnsre, Seasamh dileas taobh ’ur cànain, ’S mor a chulaidh-phrois is uaill dhuibh Nuair their sluagh gu bheil sibh Gaidhealach. SEUMAS MAC-GILLEAIN. James Maclean is the son of Lachlan Maclean—Lachainn Neill—and Ann Macdonald. He lives at Old Wittington, near Chesterfield in England. He is the author of quite a number of songs. ORAN GAOIL. Gur mis’ tha fo mhichion, ’S mi ’n iomall na tìre; ’S bho’n ’s fheudar dhomh ìnnseadh Tha m’ ìnntinn fo bhròn; Mo chridhe cho luaineach Ri tonnan nan cuantan Mu dhèighinn na gruagaich ’Tha ’gruaidh mar an ròs. Gu’n robh mi ’n Duneideann An dùthaich na Beurla, [TD 143] ’S an Sasunn ’s an Eirinnn, Measg dhéideagan òg’; Ach cha ’n fhacaic ’s cha chualaic Mi ’h-aon a thug buaidh ort; ’S mur dean mi do bhuannachd Cha dual dhomh ’bhith beò. Cha’n ìonghnadh, a dhaoine, Ged tha mis’ air faondradh, Ma ’s eiginn dhuinn sgaoileadh ’N deidh gaol ’thoirt cho mòr. ’S nuair bhios mi na m’ aonar, A dìreadh nam fraochan, Bidh t’ ìomhaigh is t’ aogasg Gach taobh dhiom tigh’nn beò. Gu’n ìnnsinn-sa t’ aogasg;— Do shlios mar an fhaoileann, ’S do ghruaidh mar na caorann Bho thaobh nam beann mòr. Tha do shùil mar an daoimean A dearrsadh gu soillseach, ’S gu siùbhlainn-sa ’chaoidh leat, ’S an oidhche ri ceò Gur gile mo ghruagach No eala nan cuantan; Tha aogasg do chuailein Na chuairtean mar òr; ’S e gu bachlagach, dualach A sìos air do ghuaillean, Nuair théid thu do’n bhuaile A chuallach nam bò. Gur diombach mi-féin De luchd deanamh nam breugan, Bho’n tric an robh m’ fheudail Ri éisdeachd droch sgéoil; [TD 144] Iad ga d’ thìladh ’s ga d’ theumadh, Gus an d’ rinn thu mo thréigsinn; ’S ma chaidh sinn bho chéile, ’S i ’n eucoir ’thug oirnn. Ise a freagairt. Na creid thusa, ’Sheumais, Luchd deanamh nam breugan, ’Bha ’gnath ’cur an céill dhuit Gu’n tréiginn-s’ a chòir, O, cha tréigeadh, ach dh-fhalbhainn Troimh Shasunn as Albainn, Leat shiubhlainn-s’ an fhairge Gun dealg ach da bhòrd. ORAN GAOIL. Ann an toiseach na bliadhna ’S beag mo mhiann air a cheòl, ’S beag mo shùnnd air làn aighear, ’S ann tha m’ fhaire-s’ air bròn. Tha mo chrìdhe ro bhrùite, ’S tric le m’ shuilean na deoir, Bho’n a thug thu do chùl rium, ’S air fear ùr g’ bheil thu’n tòir. Dèan a bheannachd so aiseag Dh’ an chailinn a ’s bòidhch’, Agus innis mar thachair Gu bheil m’ aigneadh-s’ fo león. Tha mo chridh’ agus m’ ìnntinn Air an lìonadh le bròn, Leis a ghaol thug mi ’n rìbhinn ’Chaoidh nach diobair as m’ fheoil. [TD 145] Cha ghaol ràidhe no miosa, A ni crìonadh gu làr, A thug mise do’n rìbhinn A rinn mo lìonadh le gràdh; ’S ann a gheall mi le fìrinn A bhith dìleas gu bràth Gus an deanar mo shìneadh Anns an lìon-aodach bhàn. Gu’m bi móran fo ionghnadh Mis’ a liathadh cho tràth, Ged nach tuig iad gach pian A tha ri iathadh mu m’ chàil. Chaidh aiceid na m’ thaobh-sa Nach sgaoil as gu bràth, ’S cha’n fheil lighich ri fhaotainn A bheir faochadh do m’ chràdh. ’S iomadh oidhche glé shuairce, Ged bhiodh gruaimean air pàirt, A thug mise is mo ghruagach Feadh chluainteannan fàs, Sinn a còmhradh mu’n spéis sin Nach stéinneadh gu bràth, ’N diugh ’s ann ’rinn tha mo thréigsinn Le eucoirean chàich. Ach ged rinn thu mo thréigsinn ’S nach h-fheil feum dhomh no stàth, A bhith ’féorach mu d’ dhéibhinn Bheir mi spéis dhuit, a ghràidh; Bidh mo bheannachd le dùrachd Gu t’ ionnsuidh-s’ gach là, Gus an uair anns an dùinear Mo shùil leis a bhàs. [TD 146] ORAN GAOIL. Ged fhuair mi ’n tàlant an tràth ’s an d’ rugadh mi, Cha chuir mi ’n t-òran-s’ air dòigh, cha’n urrainn mi; Bhith ’caoidh na màldaig ’s e dh’ fhàg fo mhulad mi, Gu’n dug mi gaol dhi thar aon as muinighinn. Och òn a righ gur mi tha muladach, A bhith ri fàgail an àit’ san d’ rugadh mi, ’S an t-eilein bòidheach bu deòin bhith fuireach ann, Far ’n cluìnnt’ an smeòrach is ceòl nan uiseagan. Bho’n ’thug mi gràdh dhuit cha’n àicheam tuilleadh e, Cha mhìos’ no raidhe bha fàs a bhunaitean; Ach gaol cho mór ris, ’s fa-dheòigh le cudarom, Gha’n fhaigh té eile ged thréigeadh tusa mi. B’e sud an càirdeas rinn fàs an cudarom, ’S nach faighteadh fàslach o ’bharr gu ’bhunaitean; ’S gu bheil mi ’n dòchas ma’s beò ri chumail sinn, Air leabhar sgrìobhte na sgìr gu’n cuirear sinn. Na bi ri smaointinn, a ghaol, gur duilleach mi A bhios a caochladh le gaoith nam munaidhean; Gur h-ann bhios t’ aogasg ri m’ thaobhs’ h-uile n-ait, ’S cha déid an gaol ud mu sgaoil ma ’s urrain mi. Na leig air di-chuimhn’ o d’ chridh’ gu buileach bhuait Na tha mi ’g ràdh ged bu chàs ’bhith fuireach rium;— Na h-éisd an sluagh ’dheanadh suarach umam-s’ thu, ’S na biodh fear fuadain mu ’n cuairt nan ursainnean. Gur ann air Dòmhnall a’s gòrach thusa leam, Tha’n caolas mòr ’s cha’n fheil séol air grunnachadh. Nach crath thu ’ghaol dhiot mar chraoibha duilleagan; ’S ma gheibh thu ciobair cha bhith ort uireasbhuidh. [TD 147] ’S ann thuirt an ribhinn: Tha mi cho duileachdach, ’S nach èirich m’ ìnntinn leam fhìn ach muladach, Ged gheibhinn cìobair bhiodh mi fo uireasbhuidh ’S an gille donn air bharr thonn ’s mi fuireach ris. ORAN GAOIL Tha mi fo champar an tùs an t-sàmhraidh, Gur beag mo shannt air bhith ’seinn nan òran; ’S e meud mo ghraidh dhuit ’s e dh’ ùraich càileachd dhomh Gus an dàn so ’chur ann an òrdan. Aig ceann a mhiosa bidh ceithir bliadhn’ ann Bho’n thug mi ’n ciad ghaol do ’n ainnir òig ud, Air bàta ciatach nan rothan iarainn ’Dol dh-ionnsuidh ’n iasgaidh ’s mi ’triall do’n Oban. Gur h-iomadh caochladh ’thig air an t-saoghal, ’S tha cuid ri fhaotainn ’s na cailean òg’ dheth. Cha’n fhaic mi nìonag a ni rium brìodal, ’S ann air fear ciuird a bhios i an tòrachd. Ar leam a nìonag ma ni thu ’n fhìrinn, Gur olc a chiùird a th’ aig fear a chòta; Na mnathan baobh sin ’bhios air an daoraich Bidh e ga ’n slaodadh gu’n àite còmhnuidh. An cluìnn thu, Mhairi, dean suidhe làmh rium, Is thoir do làmh dhomh ma tha thu deònach, ’S te ùr ga bràth cha chuir mi na t’ àite, ’S an anart bhan gus an déid mo chòmhdach. Nam bithinn cìnnteach gu’m biodh tu dìleas, Gu’n doirinn fhin dhuit mo ghealladh pòsaidh ’S gu’n cuirinn cruaidh shnaim a chaoidh nach fuasgail, Do’n dachaidh bhuain gus an déid sinn còmhladh. [TD 148] Ged thug mi gaol dhuit cha dean mi ’ghlaodhadh, Ma ’s e ’s air sgaoileadh gu bheil thu deònach; Ach fiach ma dh’ fhaodas nach gabh thu faoinean ’Bhios air an daoraich ’s na taighean òsda. An deidh do dhiùrrais ma thug thu cùl rium, ’S gur h-e fear ùr tha thu ’n dùil a phòsadh, Na gabh breun ùmbaidh nach labhair ciùin riut, Le cridhe dubailt ’s gun sùil ri tròcair. A Mhàiri Chamaroin o thaobh na fairge, Tha maise dhearbhte na t’ aghaidh bhòidhich. Co ’n tè bheir buaidh ort le d’ shùil neo-luainich; Ach ’s beag mo thruaighe cha bhuannachd dhòmh-s thu. ORAN GAOIL. FONN.— A chailinn ghrìnn a chuailein reidh, H-aoil ó, mar tha mi ’d dhéidh; A ghruagach dhonn dh’ an dug mi spéis, Ma thréig thu mi tha mulad orm. Gur a mise ’tha fo ghruaim, ’S a chuan Bharrach ri gaoith tuaith, ’S mi ri cuìmhneachadh mo luaidh, Gur truagh nach robh mi ’n cuideachd leat. ’S tric mi cuimhneachadh leam fhin Air na chuir thu h-ugam sgrìobht’; Gu’m bi na maraichean gu dìon A stri an deidh a h-uile te. Ged a chì mi ’n so gu leòir, ’S fuathach leam tha cainnt am beòil; Gheall mi dhuit nam bithinn beò, Gu’m posamaid na ’m b’ urrainn dhomh. [TD 149] Gur a mise tha fo thuirs’ Le bhith ’g éisdeachd mu na chùis Nach tabhair t’ athair ach ’dh-fhear dùthch’, A bhios a cùnntas mhulan thu. Ged a tha mi gann de ’n t-saogh’l, Gun chrodh ballach ’muigh air raoin, Chuirinn long nan àrd chrann caol’ Fo h-aodach mar a bhuineadh dhi. ORAN MARACHD. Luinneag. Ho ro no, gu bheil mi tùrsach, Trìd mo mhànrain dh’ fhàg mo lùgh mi, ’S cha bhith càil agam gu sùgradh Gus am faìc mi rùn mo chéille. ’Fhir a shiubhleas thar an t-sàile, ’Dh-ionns’ na tìr’ ’san deachaidh m’ àrach, Innis dhaibh ’s na bi ga ’àicheadh Gur h-anns an Fhorgan Hall ’tha Seumas. ’S ann Di-màirt a rinn sinn gluasad, Bha i fiathail ’s air bheag bruaillein, Seachad Ealasaid a chuain dhuinn, Gu’n do dh-fhuasgail sinn a bréidean. ’Dol seachad air Maol Chinn-tìre, Thog i caitein air an lìonadh, ’S mu’n do nochd sinn an Roinn Ileach, Thòisich sioban air bhith ’g éirigh. Nuair a rinn an fhairge tòcadh, Crainn ri lùbadh ’s siùil ga ’n stròiceadh, [TD 150] Leam gu’m b’ fhearr bhith taobh Loch Ròineirt Na bhith ’n so air chòrs’ na h-Eireann. Ged a chuala mi bho chian e, Gu’n robh cruadal ’s a chuan t-siar so, Cha do thuig mi gus am bliadhn’ e, Ged bhiodh càch a deanamh sgeul’ air, ’S cian bho’n dh-ìnnseadh dhomh-s’ aig baile, Gu’n robh cruadal anns a mharachd; Ach mu’n d’ ràinig mi St. Lawrence, Gu’n do dh-fhairich mi nach breug e. ’S rud nach d’ fhoghluim mi air chìnnt e, Briosgaid chruaidh anns a bheil fìneag; ’S mir de dh-fhéoil tha ’m feum air sliopadh, ’S gann gu’n déanadh ’n fhiacail feum oirr’. Ged a théid mi-fhìn a làighe, ’S beag le cìnnt a gheibh mi ’chadal, Ach a cuimhneachadh mo leannain; ’S fhada ’s fhada sinn bho chéile. Bidh an sgiobair ann an diomb rium ’G ràdh nach fhiach a tha mi ’stiùradh; ’S aig a mheud ’s a thug mi rùn dhuit, ’S gann gu’n dean mi ’n cùrs’ a léirsinn. ORAN AIR TURUS SEÒLAIDH. Beir soraidh bhuam do ’n Ghàidhealtachd, A dh-ionns’ na tìr’ a dh-àraich mi, ’S dean ìnnseadh mar a thàrladh dhuinn; ’S an Fhorgan Hall bho’n sheòl sinn. [TD 151] Beir soraidh ’dh-ionns nan gruagaichean; Dean ìnnseadh dhaibh mur cual iad e, Gur h-ann, le gaoith bho thuath againn Air moch Di-luain a sheol sinn. O, aisig i gu sàbhailte, ’S na dìochuimhnich na pàrantan, A fhuair an claoidh ga ’r n-àrach-ne, A nuair a bha sinn gorach, Nuair fhuair sinn mar a b’ àill leinn, Is a chuir sinn siùil an àird oirre, Gu’n d’ chuimhnich mi mo mhàthair; ’Bhith ga ’fàgail bha mi brònach. Air feasgar caoin Di-ciaduinn dhuinn, Bha ceò le fiath nan ian againn; ’S ged chaidh a h-uile stiall oirre, Cha deanadh i dhuinn crònan. ’Dol seachad air Creig Ealasaid, ’S ann thàinig i bho ’n ear oirnn, Is gu’n fhàg sinn uile beannachd Aig na beannaibh ’bu gheal còmhdach. Diar-daoin bha la a b’ éibhinn ann, Ri taobh an fhearainn Eireannaich, A faotainn mar a dh-fheumamaid, ’S i ás ar déidh le sòlas. Di-haoine thàinig gruaim oirre, ’S ann thòisich i ri tuairnealaich; Gu’n d’ fhuair sinn air a gualainn i, ’Dol sìos ri tuath air Tòraidh. Di-sathuirn air a lìonadh di, ’S ann thàinig i na ’sìoban oirnn, [TD 152] ’S cha d’ fhuair sinn fois no dìobradh, Bho riof-ìrinn fad Di-dòmhnaich. An ath Dhi-luain bu dlùth i dhuinn, Gur beag a bha de shùnnd orm, Is mi ’m sheasamh aig an stiùir aice, ’S a siùil ri dol na ’n stròicean. An àite dhuinn bhith fortanach, ’S ann ’thàinig oirnn a bhochdainne; Bha cruadal agus gort againn, ’N àm nochdadh ri St. Paul’s dhuinn. Gu’n robh a bhriosgaid chruaidh againn, ’S an fheòil nach éireadh buaidh oirre; ’S cha’n fhaighinn diar air uaireannan De ’n fhuar-uisge ri òl ìnnte. Ged leanainn fhín air ìnnseadh dhuibh ’S ann theireadh pàirt nach fìrinn e; ’S gu’n dean mi ’n duan so ’chrìochnachadh. Mu ’m fàs sibh sgith de m’ chòmhradh. DUANAG DO MHARAICHE. O, Chailein, na biodh mìchion ort; Ciod e chuir thu trom-ìnntinneach? ’Bhith cuimhneachadh nan nìonagan A dh’ fhàg thu ’n tir an eòrna? Thainig Mac-Eachainn làmh rium, Is a bhial le fiamh a ghàire air, Ri cuimhneachadh nam màldagan A dh-fhàg e ’n Cille-Chòmhain. [TD 153] Bidh Cailein ’s e air uaireannan Ri sealltainn sios le suaraich’ air, Ach meat ni Maighstir Ruairidh dhuinn, Gu dol mu’n cuairt Cape Horn. Ged thuirt mi Maighstir Ruairidh riut, Na fàgadh sud fo ghruaman thu; Cha’n fhaicinn-s’ air do bhualadh thu Da uair gun dol ga d’ chòmhnadh. Bho’n rinn mi ’n duan ’san anmoch dhuibh, Cha dìochuimhnich mi ’n Camaronach A tha de ’n fhine bhalla-chriosach ’Bha ainmeil anns gach còmhrag. Nach cuimhnich thu na gruagaichean A th’ anns an t-Sàilein Shuaineartaich? An nochd ged ’s fhada bhuapa sinn Cha’n fhaigh fear fuadainn còir orr’. ORAN AN GASGAICH. Luinneag. Ho ro sguiridh mi, sguiridh mi, Ho ro sguiridh mi ’n iasgach; Sguiridh mi tuilleadh de tharruinn nan dubhan, ’S e obair na duibh’ e, s beag ’bhuidhinn mi riamh air, Gur mis’ tha fo chùran an toiseach na dùltachd; Tha mi gun sùnnd as deaghaidh an iasgaich, Sheinninn le dùrachd ealain ás ùr Air sruithean a Chùirn, an fheadhainn a liath mi. Innsidh mi ’n fhìrinn, am beagan a b’ fhiach mi, Chuir mi e’ n lìnn an toiseach na bliadhna, [TD 154] ’S theann mi ri strì ri rud nach do chìnn leam ’Leantainn air ciuird a dheanamh de ’n iasgach. Comhairl’ na còrach bheirinn-s’ air òigear, Gun bhith cho gòrach ’s teannadh ri iasgach; Chosg mi mo bhrògan m’ aodach gu’n d’ shròic mi Ri obair a bhròin nach cumadh am biadh rium. Bidh cuid anns an tìr so rium-s, ann am mìothlachd Chionn gu bheil mì ’cur sios air an iasgach; Dh’ innis mi ’n fhìrinn, ’s obair nach fhiach e, Mhallaich mi chiuird, ’s ann agam bha ’n riasan. Ged leanainn-sa ’n t-òran chuid ris nach còrd e Their iad gur bòilich ’th’ agam ’s na briathran, ’S chuireadh e móran tuilleadh am phòca Bhith tarruinn nan ròp anns a chuan Iar-dheas. ORAN DO’N GHÀIDHEALTACHD. Luinneag. ’S toigh leam fhin an t-àit ’san deach m’ àrach òg, Far am faighinn càis is bainne blàth ri òl; ’S toigh leam an t-àit ’san deach m’ àrach òg. Ged tha mi ’san àm-s’ am chòmhnaidh anns a Ghalltachd, B’ fhearr leam a bhith thall ’sa ghleann ’san robh mi òg. Sud far ’n robh na gillean dh-fhàs gun mheang, gun ghiorag. Bu mhath air an iomain ga ’n ruith air an lòn. ’S cha mhios anns an stri iad, ’buidhinn cliù do’n riogh achd; ’S iomadh aon a striochd dhaibh an nan lìnn righ Deors’. [TD 155] Bonipart gun taing dha chuir iad fo chomannd e; ’S dh-fhàg iad miltean Fhrangach anns a champ gun deò. Cha’n fheil ceàrn na ’rioghachd far an leughar sgriobhadh, Nach h-fheil e air ìnnseadh ’n gniomh a rinn na seòid. Chuala sibh mu ’n euchdan ann an tir na h-Eipheit, ’Dol gu Tel-el-Cébir ’s beigineid na ’n dòrn. Choisinn iad an làrach, chuir iad as do dh-aireamh, ’S chròidh iad do’n chanàl an corr a dh-fhagadh beò. ORAN Air taobh Mhic-Phàrlain a sheas air son taghadh parlamaid an siorramachd Earraghaidheal. Anns a bhliadhna ochd ciad diag Is ceithir fichead, ’s gu’n d’ dhiagaich e dhà, An treas mìosa de ’n t-sàmhradh Nuair ’bha duilleach nan crann ’s e fo bhlàth, Chaidh an t-arm ann an òrdan Dhol a thagairt an còir am measg chàich, ’S gu’n deach cuideachd a Chòirneil ’Chur do’n chùil ’s am bu chòir dhaibh bhith tàmh. Nuair chaidh cogadh a ghlaodhach, Chiteadh tighinn na laoich ’bha gun sgàth; Laidir, ealanta, lùthar ’S iad ri tarrainn a dh’ ionnsuidh chroinn-tàr’, Le ’n cuid chlaidheannan rùisgte, ’S iad air bhioradh a chùm a bhith ’n sàs; Thug iad mionnan mu ’n d’ ghluais iad Gu’m biodh acasan buaidh aír no bàs. Leum na h-Eileinich uile— Colaich, Muilich, is Tiristich fhior, [TD 156] Ilich ’s Dìuraich gu duineil, ’S na bha ’n Coladhsa ’chuideachd Mhic-Nèill,— ’S taigh fo bhrataich Mhic-Phàrlain Dhol a sheasamh na làrach gu dìon, ’S thug iad sgrios air an nàmhaid ’Bha ga ’r gleidheadh na ’r tràillean fo chìs. Nis bho ’n choisinn thu ’n t-urram Théid thu mhor bhaile thu Lunnain a suas; Bidh an luchairt na bànruinn Aite-suidhe aig Mac-Phàrlain bhios buan, ’Thagairt cùis Earraghaidheal, ’S bidh tu misneachail, stàilinneach, cruaidh, ’S bheir thu dhachaidh a chòir dhuinn ’Rinn na nàimhdean le fòirneart ’thoirt uainn. Bidh na féidh air an sgapadh, Cha bhith h-aon dhiubh an taice na frìth; Théid na coin ris na caoirich ’Chuir na gaisgich air faondradh bho ’n tìr. Bidh am fearann air àiteach, ’S theid na tulaichean àrda fo shiol, ’S a taigh croiteir is coiteir Chithear smùid airneo toit anns na glìnn. ORAN Do dh-Alasdair Og Chola, air dha dol air imrich do dh-Africa. ’S mìthich dùsgadh a suain, Agus sealltainn mu ’n cuairt; ’S e mo dhiochuimhn’ ’tha bhuam a thréigsinn, ’S oighre Chola nam buadh Leis an éireadh mór shluagh, Air a chur bhuainn thar chuan, ’s b’ e ’m beud e. [TD 157] Bho’n a shiubhail do bhàrd, Is a theirig luchd dàin, Gur tìm dhomhs a bhith ’n dràsd ga ’gleusadh. Gur h-e mis’ th’ air mo chràdh Bho mhaduinn Di-mairt, Bho’n a chualaic mi ’ghraidh mu d’ dhéibhinn. Gu’n do dh-fhalbh thu thar sàil’, Air luing nan crannagan àrd’, ’N tùs na gaillinn ’s an àm an t-séididh. Dh’ fhalbh thu ’dh-Africa thall, Far nach h-fheil do luchd dàimh, ’Measg nan Cafar, ’s nan lann, ’s na spréidhe. ’Ghaoth gu ciùin a bhith leat, Ga do ghiùlan am mach, Gun riof dhùbailt, gun slat ga ’tréigsinn. ’S an car deas bhith dhe d’ bheart, H-uile ceum ’bheir do chas, Gus an till thu air t’ ais le éibhneas, Dh’ ionnsuidh caisteal nan stuadh, Tha ri aghaidh a chuain, Far an tric ’n robh daoin’ uaisl’ aig féilleachd. Far an tric ’n robh do thuath ’Cluich nan caman le fuaim, ’S iad gu mireagach, luath, bras-leumnach. Far ’m bihdh pìop nan dos àrd ’S deagh fhear gnìomh aig a sàil, ’S cha b’ e buideal mo ghràidh-s’ a thréigeadh. Ged a tha e ’s an àm Ann am freasdal nan Gall, ’S gun ach beag a theid teann do t’ èirig. [TD 158] Bidh mi ’n dòchas gu bràth Gu’n till thu gun dàil, ’S gu’m bi ’n dara Mac-Neill na ’éiginn; Gu’m bi ’n Stiubhartach Ruadh ’Chuir air fògradh do thuath Air a sgìursadh gu cuan na h-Eireann. Ghreas e móran gu uaigh, ’S cuid tha ’n crann anns a chuan, Thogas fianais a suas na ’dheidh so. Ma ’s e iomairt nan lann A Bhuidhneas dhuinne an geall, ’Siomadh fear a theid teann na ’éideadh. Theid do bhratach-s’ an àird, Coinnichidh iad as gach àit’, Gu ruig oighreachd Chill-Dàir an Eirínn, De theaghlach Dhubhairt nan stuadh, Le ’n cuid staileannan cruaidh, Na ni ’n càradh gu uaigh gu beumnach. Cha dean caoirich nam beann, No ’n crodh breac bharr nan gleann An seasamh an àm na h-éiginn. [TD 159] ORAN A rinneadh air do Chlann Ghilleain bràisd a thabhairt d’ am pìobaire a chiad mhios de ’n gheamhradh, 1886. Luinneag. Bha mi ’n raoir gu sùnndach, sùnndach, Bha mi ’n raoir gu sùnndach, sùnndach, Leis a chuideachd a bha mùirneach ’S nach biodh sgrùbaireach mu ’m bòrd. Fhuair mi litir air Di-ciaduinn, ’S gu’m bu taitneach leam a briathran, Gu’n robh ’n comunn chiùiteach fialaidh, ’S iad ga m’ iarraidh do’n taigh-òsd’. Nuair a ràinig mis’ an talla, Rinn iad m’ fhàilteachadh le cabhaig— “Thig, suidh lamh ri fear na cathrach”— ’S chuir iad searrag ann am dhòrn. ’S gann gu’n gabhadh e dhomh àireamh H-uile seòrsa bheir a chlàraich, Uisge beatha, branndaidh làidir, Fion na Spàine agus beòir. Dh’ òl sinn slàint’ an teaghlaich rioghail; Co nach tràghadh i gu h-ìochdar? ’S cha do dh-fhàg sinn ann an diochuimhn’ Ar ceann-cinnidh fiachail còrr. Ghuidh sinn sonas sith is suairceas, Saoghal fada le deagh bhuaidh dha; Co nach tràghadh làn na cuaiche Air an uasal ’tha gun phròis? [TD 160] Bho’n a chruinnich sinn ’san anmoch. Gur e ’n t-saothair air ’n do dh-fhalbh sinn, A thoirt prine-broillich airgid Do ’n fhear chalma b’ ainmeil ceòl. Gu ’m b’ e sud am bràisd bha ainmeil, Chiteadh struth agus lamh dhearg ann, Long is craobh is bradan tarra-gheal, Caisteal agus dealbh nan ròn. Struth, ostrich. ORAN A rinn am bàrd do Chomunn Chloinn Ghilleain ’an Glaschu, air dhaibh dearmad a dheanamh air òran eile a rinn e dhaibh a chló-bhualadh, ged a gheall iad sin a dheanamh. ’S ann a bhuineas mi ’n chomunn A dh-fhàs somalta, stòilte; Buidheann rìoghail nan lann ’Tha fo chomannd aig Sir Dòmhnall. Bho’n a thagh sibh mar bhàrd mi, Chuir mi Ghàidhlig air dòigh dhuibh; Bho nach d’ rinn mi am Beurl’ e, Cha robh feum ann am chòmhradh— ’S cha b’ fhiach e dad, cha b’ fhiach e dad. Cha robh suim aca de m’ shaothair, Chuir iad faoin mo chuid bàrdachd; Bha sud tuilleadh ’s a shaoilinn ’Thighinn bho dhaoine tha cho slàtail. Gu’n robh cuid diubh na m’ chòmhradh, Bho chionn còrr agus ràidhe, Gheall gu’m faicinn e sgriobhte ’An clar-innse na Gàidhlig.— O chionn fad, o chionn fad. [TD 161] ’Bhith ’cur sios air a Ghàidhlig ’S ni gun stàth dhuibh bhith strì ris; Nuair bha Noah ’s an àirc Gu’m b’ i a chànain a bhruidhneadh; Chaidh a labhairt le Adhamh Anns a ghàradh gu bhrìoghail; Rinn mi ’foghlum bho m’ mhàthair Mu ’n do dh-fhàg mi na cìochan, ’S cha dean mi stad, cha dean mi stad. Cha’n fheil sluagh fo na speuran Cho math gu feum ris na Gàidheil, Nuair a théid iad na ’n éideadh, Ann am féileadh ’s an sgàrlaid. Nuair bha ’n rìoghachd na ’h-éiginn, ’S mór an t-euchd a rinn pàirt dhiubh, ’S iad gu’n gleidheadh an càmpa, Aig cho gann ’s ga ’m biodh ’n àireamh, O chionn fad, ’o chionn fad. C àit an cualas ’s an t-saoghal, Bho’n bha Maois anns an fhàsach, Meud nan euchd rinn na laoich ud Mach aig raon Bhalaclàbha. Nuair chuir Cailein air ghleus iad, Rinn e èigheach ’s a Ghàidhlig, Is sibh sìol nan daoin uaisle ’S tric a bhuannaich an làrach, ’S na deanaibh stad, na deanaibh stad. Nuair a fhuair iad an t-òrdan, Ghabh iad sòlas is bàigh ris, ’S tìr nan garbh bheann ’s nam min ghleann Tigh’nn roimh ’n ìnntinn mar sgàile. Ged bu lìonmhor na nàimhdean, Le ’n cuid dh ingnichean laidir, Mur a deanadh iad striochdadh, Cha bhiodh nì ach am bàs daibh, Le stàilinn ghlais, le stàilinn ghlais. [TD 162] Mur a creid sibh mo sheanachas, Ciod cho calma ’s a bha iad, Gu bheil dearbhadh ’s na h-Innsean Air a ghnìomh a rinn pàirt diubh; Nuair bha cach air bheag feum dhaibh Thàinig éibh air na Gàidheil, ’S thug iad buaidh mar bu chòir dhaibh, Ged bha mòran dhiubh ’bhàsaich, ’S nach dig air ais, ’s nach dig air ais. ’S ann a sguireas mi ’n òran, Gun an còrr bhith ga ’ràitinn; Tha mi cìnnteach gur léir dhuibh Gu bheil feum anns a Ghàidhlig. Gus an caochail na siantan, ’S an sguir lionadh is tràghadh, ’S fhad ’s bhios grian anns na speuran, Agus reultan na ’n àite, Cha déid i as, cha dèid i as. ORAN. A rinn am bàrd air furmailt a thug an Ridire Còirneal Fitzroy Domhnall Mac-Gilleain, C. B., do Chomunn Chloinn Ghilleain anns a Bhath Hotel an Glaschu, miosa deireannach a gheamhradh 1896. FONN.—“Deoch slainte nan gillean.” Mo rùn air a chòmhlann bha ’n raoir ’s an taigh-òsd, Ann an cuideachd a chòirneil bu mhoralta cainnt’; Thug mise mo bhòidean gu’n deanainn an t-òran Do ’n treubh do ’n robh Còirneal, Sir Domhnall, mar cheann. ’S tu saighdear cho calm’ ’s a chaidh àrach an Albainn; Gur tric rinn thu ’dhearbhadh le armailtean thall. [TD 163] Mar uan do na càirdean ’s mar leòghann do d’ nàmhaid, Fo bhrataichean àlainn ga ’n càradh ri crann. Bha ’bhaintighearna làmh riut gu sìobhalta càirdeil, Mar chìteadh gun fhàilinn o ’sàiltean gu ceann Gu sìgeanta choimhneil ’cur seachad na h-oidhche; ’S e mheudaich ar n-aoibhneas an t-oighre bhith ann. ’S e Eachann an t-òighear ga ’m math thig an còmhdach, Le sporran is brògan, ’s gun mhórchuis na ’cheann. Tha shlios mar an t-eòinean ’s a ghruaidh mar na ròsan, ’S gur nèarachd tè og a gheibh còir air a làimh. Nuair chruinnich a chuideachd a eilein a mhurain, A Cola ’s a Uibhist ’s a Muile nam beann, A Diùra ’s a Sgarba ’s gach cearna de dh-Alba, Bho Lunnainn an airgid ’s bho’n Ghearmailt a nall, Gu cìnnteach bu tlachdmhor bhith ’faicinn nan gaisgeach Le féilidhean tartain ’s le ’n gartanan teann, Le stocainnean claiseach, ’s le boineidean ballach, Mar chleachd sibh bith agaibh ’n àm tarruinn nan lann. Nuair chaidh iad do’n t-seòmar ’s a fhuair iad an òrdan, Bha pìoban rì ceòl dhaibh is móran dhiu ’danns’ Gu h-iollagach sùnndach ’cur crith’ air an ùrlar, ’S gu’n doireadh iad dùbhlan do dhùthaich nan Gall. Cha ghabh e dhomhs’ aireamh na chruinnich a làthair, Cho mór ’s ga’n robh ’n fhardach bha àiteannan gann; Cha’n fhacaic sinn roimhe a leithid de choinnimh; Bho latha Chùil-fhodair gun choimeas di ann. [TD 164] JOHN MACLEAN. John Maclean was born at Urvaig, Caolas, Tiree, in 1867. His father, Lachlan Maclean, was the son of John Maclean—Iain Mac Ghilleasbuig mhic Lachainn—and Catherine Macintyre. His mother, Mary Maclean, was a daughter of Neil Maclean, brother of John Maclean the poet. He followed the sea for some time. He died at Urvaig in December, 1895. ORAN GAOIL. FONN:—A Choille Ghruamach. Air moch Di-luain gu’m bu mhor mo smuairean, A fagail Chluaidh ’s mi ’cur suas nan seol, Gur ann mu’n ghruagaich a rinn mo bhuaireadh, ’S dh’ fhag m’ inntinn luaineach le cainnt a beoil. Do ghaol ga m’ sharachadh ’s ga mo chràdh-lot Mar rinnean staillinn a sàs am fheoil; ’S gach la is oidhche tha thu na m’ chuimhne, ’S tu mo reult-iuil is mo chliu ’s mo cheol. Di-mairt nuair fhuair sinn air broilleach cuaine Le’r n-eithir uallaich bu chruaidhe bord, Bu trom an iarmailt ’s i frasach, sgiathach, Is coltas sgiansgarach air na neoil. Bha thusa nuair sin ad chadal suaineach, Gun chuimhne, ’luaidh, gu bheil mi gun doigh, ’S fear eil air uairean a deanamh suas riut Air son an tuaileis a thog iad oirnn. Is iomadh ionghnadh a th’ anns an t-saoghal, ’S e h-aon diu, ’ghaoil, chuir nach robh mi ’d chòir. [TD 165] Mu choinnimh m’ inntinn gu’m faic mi t’ ìomhaigh Ged b’ ann a dìreadh a rifeadh sheol. Fhuair thu buaidh orm le do bhriodal, Mo chridh’ gu’n d’ lion thu gu tinn le bron; ’S ma thug iad ’thaobh thu cha bhuan mo shaoghal ’S fear eile faotuinn le aoigh ort coir. Nam bu bhàrd mi gu deanamh dhàna Gu’n cuirinn àird air do chliu ro mhor. O d’ cheann gu d’ shàiltean gun mheang, gun fhailinn, Gur fallain dh’ fhàs thu a nios o t’ oig’. Gur dearg do ghruaidhean seach ròs nam bruachan Fo dhuilleach uaine nan cluan ’s nan còs; ’S tha fiamh do ghàire cur saighdean graidh Ann am chridh gach là o’n a thog sinn seol. ’S e fiamhachd t’ aodainn a rinn mo shlaodadh ’S a thug a thaobh mi le gaol bha mòr; Gur maiseach fìnealt, gur fallain, dìreach, Tha pears’ na rìbhinn air bheil mi ’n toir. Tha fiamh do chuilein-sa, sios mu ’d ghuaillean Air sniomh na dhualan, air tuar an oir; ’S beul cuimir, guamach, nam bilean snuadhar Fo shuilean luaineach na maighdinn òig. O’n fhuair mi t’ eolas bu mhor mo dhòchas Gu faighinn còir ort ri m’ bheo le àgh. ’S ann air Di-dònaich ’s tu measg nan oighean A fhuair mi ’n leon ’tha toirt bròin domh ’n dràsd; Bha saighdean luaineach o’m chridhe gluasad A rinn mo bhuaireadh, a luaidh, gu gràdh; ’S ma ’s e fear ùr leis an d’ rinn thu lùbadh Bidh mise tursach gun sunnd ri m’ la. Is iomadh buaireas a bhios a gluasad Am measg an t-shluaigh nuair a bhios iad og; ’S e sin a chruadhaich do chridhe bhuamsa O’n ghabh mi chuairt so do Mhontreal. [TD 166] ’S gur ceart a tha thu ma rinn thu ’m fhagail ’S nach leig do nadar leat tigh’nn am chòir ’S fear eile ’m aite toirt geallaidh laidir ’S e cur ort fàilte le fàinne pòsd. ’S air mheadhon oidhche, ged b’ ann ga stiuradh. Gur tric mi cuimhneachadh air do dhòigh; Mo shuil ’sa chombaist ga cumail dìreach ’S an fhairge mhìllteach a nios o sroin; A sgiathan sgaoilte ri cruas na gaoithe ’S i feadach, caontagach ris gach rop; A gillean aotrom cur rith’ a h-aodaich ’S an sneachd na chaoirean mu chaol nan dorn. Ach bha do ghaol dhomh gu pailt ri fhaotuinn, Ged ’s mor an caochladh a thainig oirnn; Is iomadh gamhlas a bh’ anns an am ruinn Air son gu’n d’ gheall mi gum biomaid pòsd. Chreid thu an tuaileas a rinn iad suas dhuit, A chum ’s gu’m buaireadh iad thu o sgleo. ’S ma rinn thu m’ fhàgail, mo chreach mo chàradh, ’S mo shoraidh slan leat, a ghraidh, ri d’ bheo. ’S a Mhàiri bhoidheach gur trom mo chòmhradh O’n là a dh’ fhògair iad uam do ghaol; An comunn blàth, bha gu caoimhneil cairdeil, Le mi-run chaich gun deach e mar sgaoil. ’S na gillean oga a thog an sgleo so Cha dean e stòr dhoibh cho mor ’s a shaoil; Cha chuir a sios mi ’s cha doir e mi-chliu Air h-aon de ’n linn a thig air mo thaobh. Ma thug thu cùl rium gur beag mo churam, Gur h-iomadh flùr a tha fàs fo ’n ghréin, Is maighdean bhoidheach a th’ ann de’d sheorsa A’s aithne dhòmhsa ’thig air mo réir. [TD 167] Gu’n stiuirinn bàta nan sgiathan pràise, ’S anns na croinn àrda gun deanainn feum; ’S bheir Righ nan grasan sinn dhachaidh sabhailt Thar tuinn an t-sàile gu cala réidh. ORAN Do Lachainn Mac-Gillean, le a phiuthair agus i a cumha a h-ighinne an deidh a bais. Gur a cianail bochd m’ adhart, Chaill mo shùilean am fradharc, ’S mi am ònrachd a feitheamh do ghruaige, Gur a cianail, bochd &c. Tha i dualach tiugh cleachdach, Is na snìomhainean casa; ’S leir do m’ Righ gu’m bu tlachdmhor do shnuadh-sa; Sùil ’bu mhìogaiche sealladh Fo chaoile na mala, Mar gu’m biodh an t-òl leana air na cuachan; Beul tana dearg daite Mu’n deud ’bu leoir ceartais, Sùil chorrach ghorm ghlas gun bhith luaineach. Nuair a rachadh tu ’n chlachan Is a shileadh an sneachda, Bhiodh t’ aghaidh bhruich mheachair gun fhuachd oirr’. Cha’n fheil leine mhic tighearn’, Chuireadh òganach uime, Nach deanadh mo nighean-sa fhuaigheal. [TD 168] Gur h-e mis’ ’th’ air mo chùradh, Tha do phubull leam sùmhail ’S nach robh tional na dùthch’ de dhaoin’ uaisle ann. ’S mise chaill na deagh bhràithrean, Chuir mi uile gu traigh iad; ’S i ’n aon nighean a chràidh mi ’san uair so. Gur a lionmhor dhuit caraid Ann am blàr sin na fala, ’Bheireadh giulan gu h-allail gu uaigh dhuit. Ach a Lachainn a Muile, ’S cian ’s gur fada leam t’ fhuireach; ’S ann a ghlaodhadh iad curaidh roimh shluagh dhiot. Dh’ fhàg thu ’m marcaich’ ’san fhéithe, ’S e na ’chlachan fo cheudan, ’S gu’m bu bheag sud dhe t’ euchd mar a chualas. Nuair a chaidh thu ’san achdair, Cha do choisinn thu masladh; Bheireadh Ruari nam bratach do luach ort. Chaidh thu ’n lathair Mhic-Cailein, Fhuair thu airm ’s gu’m b’ e t’ airidh; Sin an t-Iarla rinn aithn’ air do chruadal. Gur a càirdeach thu ’n ghaisgeach ’Rinn an Eirinn an tapadh ’Thug a chreach ud gun fhaicil fo thuath as; ’Rinn a chreach air Mac-Gùine, ’Chuir a cheann ann an cunnart, Agus moran de’ mhuinntir an cruadal. [TD 169] ORAN Do Lachainn Mac-Gilleain, Triath Chola, Le Catriona Nic-Gilleain. Is muladach ’s gur fiabhrasach A bhliadhna-sa do ghnàth, Bho’n dh’ fhàg ceann nan cliaran sinn Gus an trialladh bàird. Gu’m bu cheann aos-ealain thu ’S gu’m b’ ath’reil dhuit do ghnàths; Bu dùthchas dhuit bho d’ sheanair e, Lùb allail a thug bàrr. Tha mise dheth trom éisleineach, ’S mi ’g éirigh, gach aon là, Bhith ’g amharc air do réidhleanan Gun neach fo ’n ghréin ach bàrd. Cha’n fheil mnai no marcaich’ ann, No gaisgich air an tràigh; Is cha’n fheil òl air chuachaibh Ann an talla buan mo ghràidh. Is e mo rùn an gaisgeach ud A’s smachdaile roimh shluagh, An àm nochdadh dhuit do bhrataich Is neo-airsnealach a snuadh. Cha b’ e triall gun taice dhaibh Is t’ fhaicinn rompa ’suas; Bhiodh iad fallan dachaidh leat, Cia fhad ’s ga ’n dugteadh ruaig. Is e mo rùn an curaidh Leis ’m bu toil bhith ’n cumasg lann; Bu mhiann leat arm sgaiteach, Agus clogaid glas mu d’ cheann. [TD 170] Ann an àm an rùsgaidh ’S ann fo d’ shùil a bhiodh an sgraing; Mo làmh gun deanteadh pùdhar Le glaic lùthaidh fir gun taing. Is ionmhuinn leam an Lachainn sin A’s foinnidh, dreachmhor gnùis. Dh’ aithnichinn air an fhaiche thu Air maise taobh do chùil. Tha blàth rathar, bhuadhach ort Nach ciùrradh fuachd ga dhlùths. Air mo làimh bu shar-ghasd’ thu, ’S tu ’n t-àilleagan ’sa chùirt. Nuair ’thigeadh Mac-Gilleain ort Le ’chathan is le ’rann, ’S gach toiseach mar bu chubhaidh dhaibh Do mhaithibh Innse-Gall, Bhiodh farum air na tùraibh ud, Bhiodh fùdar gorm na ’dheann; Bhiodh clàrsaichean ga ’n spreigeadh Is luchd-leadanan ri danns’. An àm bhith triall gu t’ fhàrdaich Gu’m b’ e t’ àbhàist, mar bu dual, Bhith tarruing ort am bràithreachas ’Cur shlàinteachan mu’n cuairt. Bhiodh searragan is tunnachan Gun chunnart air an luach; ’S sior-òl air còrnaibh sinnseireach, A dhìobradh fir gu suain. Cathan, companies. Rann, supporters, followers. [TD 171] OCH, OCH, MAR THA MI. Le fear de theaghlaich Thorloisgte. Luinneag. Och, och, mar tha mi ’s gun mi bhith làmh-riut, ’S an cadal sàmhach a gheibhinn ann; Aig bòidhchid t’ aodainn ’s aig meud mo ghaoil ort, B’e m’ aiteas saoghail ’bhith riut a cainnt. Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn; Is bheirinn sìnteag do’n Eilein Ileach, Far ’bheil an rìbhinn ’dh’ fhàg m’ ìnntinn trom. Is truagh nach robh mi ’s mo rogha céile Air mullach sléibhtean nam beanntan mor’, Gun bhith ga ’r n-eisdeachd ach eoin nan geugan, ’S i toirt gu réidh dhomh le spéis a pòig. Mharbhainn fiadh air na beanntaibh dùldaidh, ’S an eala lùthar an cois gach òb’; ’S am beul na h-oidhche gu’m faighinn caoimhneas An comunn aoibheil bho mhaighdinn òig. Cha stoc ’s cha stòras a bha mi ’n tòir air, Ach cruinneag bhóidheach ’s i stòld’ na ’beus; Te lagach chiallach le cridhe fialaidh, Gun fhoill na ’briathran, gun ghiamh fo ’sgéith. Tha t’ anail cùbhraidh mar fhaileadh ùbhlan, Is tha do shùilean ciuin, meallach, gorm; ’S gur tu ’bhean-uasal a’s grinne ’dh’ fhuaigheas; ’S ann ris a fhuair thu do thogail òg. Ach ’s iomadh nìonag òg, fhìnealt’, bhoidheach, A bha ro phròiseil na barail fhéin, [TD 172] ’S gur h-iomadh long a bha math gu seoladh A chaidh na ’bòrdaibh air cladach réidh. Is ann Di-dòmhnaich a dol do’n chlachan A ghabh mi beachd ort am measg nan ceud; Do shùil cho luaineach, ’s do chridh’ an gruaim rium, ’S gur faide bhuam thu an diugh na’n dé. Thug mi naoidh miosan fo thruimid inntinn Air chuairt ’s na h-Innsean a ’s fhaide thall, Ach samhladh t’ aodainn cha robh ri ’fhaotuinn, ’S ged gheibhinn saor iad cha’n fhanainn ann. Chuir mi deagh shiol ann an toiseach geamhraidh An talamh tolltach, ’s e fada shios; Ach thàinig ian air bho’n àirde ’n iar-dheas, Is thug e ’fhriamhaichean leis a nìos. Mo chaileag rùnach bho’n thug thu cùl rium, Gur tric mo shùilean trom, brùite, dall. Chuir thu gun suim dhiom m’ fhalt fo do ’bhrògan; ’S e bhith gun chòir ort a thug mi ’nall. Thug mi dhuit gaol air nach grunnaich briathran, ’S nach dug mi riamh do neach ach thu féin. Tha mi gun fhaoilteas bho’n rinn thu m’ fhàgail, ’S mo chridhe cràiteach gach la na d’ dhéidh. Bha mi rè mios’ ann am fiabhras claoidhte, Gun dùil rium oidhche gu’m bithinn beo, Is fad na h-ùine b’ e brigh mo smaointinn Gu’m faighinn faochadh nam biodh tu ’m chòir. Tha m’ uile rùn ort is tha mo dhùil riut, Mo chridhe tùrsach ’s mo shùil riut féin; ’S tha sud na ’dhùrdan air feadh na dùthcha, Nach dean mi tùrn gun té ùr ad dhéidh. [TD 173] Mo mhionnan bheir mi air clàr a Bhiobuill Gur h-i an fhirinn ’tha ann am bheul, Nach déid mi sios ann an leabhar sgìreachd Le té ’san rioghachd so ach thu-féin. Cha bhi mi strì ris a chraoibh nach lùb leam, Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach géig.— Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m’ fhàgail; Cha dàinig tràigh gun mhuir-lan na deidh. Is coma leam ged a shil an latha, Is coma leam ged a laigh a ghrian, ’S ceart choma leam ged a robh mo leaba Gu fada fada ’san airde ’n iar. Ise ga ’ fhreagairt. A rùin, cha dean mise ’cuis ri balach, No ri fear eile gu bràth ad dhéidh, Is gus an tìll thus’ a nall thar sàile Cha dean mi stàth do dh-fhear tha fo ’n ghréin. Och, och mar tha mi gun mi bhith làmh-riut, ’S an cadal sàmhach a gheibhinn ann; Aig maise t’ aodainn ’s aig meud mo ghaoil ort, B’ e m’ aiteas saoghail bhith leat air laimh. CAIRISTINE NIC-GILLEAIN. Christy Maclean was a daughter of Captain Allan Maclean, second son of Lachlan of Brolas. She was married to Dr. John Maclean in Bròlas. She was born in 1718, and died in 1808. The following fragment, which was composed about her sons, is all that we have seen of her poetry. [TD 174] CRIOMAGAN DE DHUANAIG. Luinneag. Dh’ fhàg thu mi ’n dé ’dhol air aineol, Mo dhurachd thu ’thighinn fallain, Dh’ fhag thu mi’n dé ’dhol air aineol. Dh’ fhàg thu mi ’n dé ’dhol thar t’ eolais, Dh’ Obareadhainn, ’s cha bu chòir dhuit, ’S ann bu dual dhuit a bhith ’m Bròlas, Far an robh oighre do sheanar. Moire, ’s mise ’th’ air mo chràdh-lot Ma tha thu fo bhìnn na Spàinte; ’S ma tha feum an ùirnigh màthar Théid peileir an nàmhad tharad. Cha ’n ionghnadh ise ’bhith brònach, A phiuthar a dh’ fhàg sibh na h-ònrachd. Bu lurach a guailleachain òga, Nam biodh sibh ga ’còir a fanailt. Meur a’s grinne ’sheinn a chiuil thu, Cas a’s deise air an ùrlar; ’S cìnnteach mi nach faigh thu ’n diultadh Nuair ’chuireas tu ùidh an leannan. [TD 175] CORRECTIONS. Page 7, line 18, tàladh,. 9, 22, iomrachaidh shàbhailt’. 14, 11, ’aobhar. 24, 11, sgàrlaid dhuit,. 31, 3, deoch-slàinte,. 31, 27, ionnsuidh. 35, 8, eucoir. 36, 22, dh-òrain. 38, 12, nan. 39, 7, le ’chòmhnadh. 44, 24, spùinneadh. 46, 9, feum’ bha. 55, 6, a riaraich. 59, 31, Bidh. 61, 8, prìseil ’san fhearann. 62, 2, nìos. 66, 1, tu. 66, 31, ’Falbh. 68, 34, soitheach. 69, 1, Gu’n do chruinnich. 71, 17, fhaotuinn. 72, 15, tionndadh. 72, 16, nàmhaid. 79, 20, Guth chlag maduinn. 84, 9, chlaisteachd. 88, 13, rioghachd. 89, 19, geug,. 90, 1, Far am. 90, 33, ìnntinn-sa. 95, 2, h-aoibheil. On 97 the second line, though correct, is not needed. 104. 4, Mairi. 105, 26, nis o. 106, 10, Dh’ itheadh. 107, 4, gheamhraidh. 109, 11, choill. 110, 13, nam. 111, 4, sàbhailt’. 112, 2, gach. 113, 18, muran luach-mhor is; 25, còmhnuidh. 119, 2, fiachail; 11, mhaidne; 20, fo ’riaghladh. 121, 24, leum. 124, 12, Oban, not Tobermory. 140, 6, Is na leig spìd no tàmailt oirr’; 8, uasal. 141, 23, fhaoduinn; 24, gu’m bi mi sàmhach. 143, 17, caoran. 146, 5, is muinighin; 18, a ghaoil; 20, thaobh ’sa h-uile h-àit. 153, 17, Iasgaich; 23, chùram. 154, 39, ann an. 156, 4, làraich; 8, bhaile Lunnainn, 157, 25, biodh. 158, 11, delete A. 160, 16, stòld a; 24, ac’; 27, dhaoin’. 161, 33, dhaingnichean. 165, 27, o m’. [TD 176] NOTES. In the elegy on Lachlan Cattanach’s wife, given in the first volume of this work, there are historical inaccuracies which show that it was not composed in Lachlan Cattanach’s time. It is undoubtedly a composition of comparatively recent date. The following verse, which comes in before ’S mairg am Breatann a thàrladh on page 106 of the first volume of this work, was accidentally omitted:— Cha b’ ioghnadh an nàsiun, ’Bha gun dlighe, gun daimh ris, Mar bha Sasunn ga ’fhàgail; Ach do dh-Alba bu nàr sud, Is gu’m faodadh i ’ràitinn. Gu’m b’e h-inbhe ’s a h-àirde, Gu’n robh leithid de phlannta na luchairt. Alexander Maclean, an Cùbair Colach, was born in 1774 and died in 1836. He is buried at Crossapol in Coll. He had at least six children, Donald, Alexander, John, Robert, Allan, and Sibella. It is said that John and Allan settled at Oamaru in New Zealand. If Domhnall Bàn an Lioba was the author of the song on page 25 of this work, he must have been born as early as 1774. The ninety-first regiment, or Argyleshire Highlanders, was embodied at Stirling in the autumn of 1794, and was sent to the Cape of Good Hope shortly afterwards. Alexander Maclean of Coll purchased the island of Muck from Clanranald in 1813 for £9,997,11,7. [TD 177] Page 121, line 9 instead of “Is an struth garg, &c.” read “Is an Iolair gharg fhuilteach.” 128, 14 instead of “Asmhor” read “Aosmhor.” 128, 16 instead of “a linn” read “o linn.” 130, 10 instead of “i thig” read “a thig.” 136, 26 instead of “’S an struth maiseach, riogail,” read “’S an Iolair ’tha rioghail.” 160, 6 instead of “Chitheadh struth” read “Chiteadh iolair.” 161, 6 instead of “gu bhrioghail” read “gu brioghail.” 167, 6 instead of “Mac-Gillean,” read “Mac-Gilleain.” 129, 16 instead of “Ghiorsal” read “Mòr.” 129, 6 and 8 instead of “Maclean” read “Maclaine.” 129, 7 instead of “1842” read “1852.”