[TD 1] “SAOR MHARSANTACHD” NO MARSANTACHD DHAOR, AGUS MAR A BHUINEAS I RI STAID NA ’N CROITEIREAN. Tha ceist shonraichte a togail aire Rioghachd Bhreatuinn bho chionn corr agus da bhliadhna a nis, agus tha e robh fheumail gu rannsaicheadh Croiteirean a mach air a son fhein, brigh agus suim na ceiste so. Air an aobhar sin bheir mi oidhirp-mar Chroitier aig a bheil co-fhaireachadh ri bhur suidheachadh air beagan phoingean a chuir f’ar comhair anns a chainnt mhathaireal, gu bhi soilleireachadh dhuibh nadur na ceiste cudthromaich so, agus mar a bhuineas i ri staid nan Croiteirean. Mar a tha fhios agaidh a cheana, tha mi creidsinn, thog Mr Chamberlain ceist “Gu’m biodh e feumail agus buanachdail do rioghachd bhreatuinn cìs (duty) a chuir air gach gne badhair a thig thugainn bho dhuthchanan cein.” Dh’aobharaich so deasbaireachd agus comhstri mhor anns an rioghachd, bho na h-ard luchd riaghlaidh gus na daoine ’s bochda fo’n chrun, agus a nis ’nuair tha àm taghaidh fear-ionaid parlamaid a dluthachadh oirbh tha mi smaointeachadh gur e iarrtus mo luchd duthcha gu’m biodh iad a tuigsinn na ceiste dh’ainmaich mi air a son fhein, chum gu faiceadh iad an dleasdanas ann a “votadh” air son a neach a tha cuir an aghaidh Mhr Chamberlain agus a bhuidheann a tha ’g aontachadh leis, no le Mr Balfour priomh cheann na buidheann, a tha a dh’aon bheachd ris a reir coltais. Uime ain tha dochas agam gu’m bi am mineachadh a leanas a soilleireachadh dhuibh ar dleasdanas an coimhcheangal ris a chuis so. Tha argamaidean lionmhor air an toirt seachad air taobh agus an aghaidh na ceiste so, le daoine foghluimte na rioghachd, ach cha’n ’eil uine agam air an cur f’ar comhair, gidheadh gheibh sibh brigh na chaidh a radha anns na leanas. Co dhiu, cha ’n e argamaidean dhaoine aig nach ’eil fios no faireachadh air staid dhaoine bochda a bhios buanachdail dhuibhse, gu bhi tuigsinn mar a bhuineas a cheist so ri bhur cor anns a Ghaidhealtachd. Air an aobhar sin, mar neach a chaidh àrach na ’r measg, bheir mi oidhirp air a leigeil ris dhuibh ann am beagan fhacal, mar a bhuineas a cheist so ribhse. Gu bhi lan thuigsinn suim na ceiste, feumaidh sinn beachdachadh car tiota air suidheachadh na rioghachd tri fichead bliadhna roimhe so. Bha ’san àm sin “Cis” air gach seorsa badhair a bha tighinn thugainn a cearnan iomallach an t-saoghail. Gheibh sinn cunntas ann an eachdraidh, agus ma dh’ fhaoidte bho sheann daoine air na laithean gortach duilich a bha ’n ar riogachd ’san latha sin, gu h-araidh anns na bailtean mora. Mar a tha e robh fharasda thuigsinn, bha biadh is uile fheumalachd an duine bhochd cho daor ’s nach robh e comasach dhoibh a cheannach, air choir is gur h-ann a bha staid thruaghan do-thuigsinneach agus muladach ri faicinn, ann an tir chriosdail. Paisdean a fannachadh ’sa ranaich le acras, ’sgun chomas aig am parantan air biadh a chumail riu. Cis mhallaichte air a h-uile seorsa bidhidh a bha tighinn a tirean cein, air chor ’s gu robh e eucomsach do dhaoine bochda an ceann a thogail idir. Thog na cruaidh chàsan so buireas mor am measg an t-sluaigh, agus bha Breatunn ann an cunnart anabarrach gu’n eireadh stri agus mi-riaghailt innte troimh na laghanan cruaidh a bha air a sparradh air daoine bochda, oir is e iadsan a mhain a bha fulang. Shoilleireich staid na rioghachd san am ud do’n luchd riaghlaidh gu feumadh iad nitheigin a dheanamh gu bhi fuasgladh air suidheachadh truagh [TD 2] luchd-obair, agus an deidh bliadhnachan de dheasbaireachd, ’se an ni a shonraich a’ Pharlamaid a dheanamh ma dheireadh, cuir as do ’n “Chis” a bha na ceap-tuislidh do shoirbheachadh na riogachd gu h-iomlan. Cha bu luaithe thachair so na thainig leasachadh air staid an duine-bhochd agus na rioghachd gu leir. Dh’ fhuadaicheadh air falbh na h-amannan searbha cruaidh agus acrach ud, agus tha dochas nach fhaicear a leithid gu brath tuilleadh ’nar measg. Tha nis tri fichead bliadhna bho’n chuireadh as do’n chìs so agus bho chaidh “Dorus Saor” fhosgladh do gach cearn do’n t-saoghal gu bhi cuir thugainn biadh agus gach gné fheumalachd eile, agus tha soirbheachadh Bhreatuinn bho’ nuair sin a dearbhadh a bhuaidh chomharaichte a bha aig an “t-saor mharsantachd” so air fas na rioghachd. Thoisich obraichean anns gach cearnaidh, dh’ardaicheadh tuarasdail, dh’ fhas biadh agus feumalachdan eile saor, agus gu ruige so tha cor dhaoine bochda gu tur eadardhealaichte agus moran ni’s fhearr no anns na h-amannan mi chneasda a dh’ fhalbh. Anns an dol seachad faodaidh mi ainmeachadh gu robh buidheann anns a Pharlamaid aig an am ud a bha cur an aghaidh cur as do’n “chis” mhallaichte a bha ’g aobharachadh a leithid de dh’ uireasbhuidh ’san rioghachd, mar a tha aig an àm so, ach gu fortanach bhuadhaich a bhuidheann a bha trocaireach do’n duine-bhochd, chuir iad as do’n chis, agus na d’thig an la a thilleas i. A nis an deigh tri fichead bliadhna de shoirbheachadh agus fas na rioghachd fo “Shaor Mharsantachd” tha a cheist air a togail as ur, gu ’m biodh e na bu bhuanachdaile do mhor shluagh Bhreatuinn dol air ais gu “Cis” a leagail air biadh is nithean eile mar a bha ’san aimsir a dh’ ainmich mi. Na creidibh tuarisgeul cho mi-reusanta agus gu bhi dearbhadh cho eucomasach ’sa tha e gu’m biodh e gu buanachd Chroiteirean agus dhaoine bochda, bheir mi oidhirp air a chuir far comhair gur h-ann a bhiodh e gu bhur mor dhochair. Tha e air a chur an ceill dhuinn gach latha leis na “Tories” agus luchd leanmhuinn Mhr Chamberlain gu’n toireadh “Cis” a bhi air a leagail air biadh agus goireasan eile, obraichean do’n rioghachd air chor is ge do dh’ ardaichte pris ar n-uile fheumalachd gu’m biodh e comasach do dhaoine bochda paigheadh na bu daoire air an son. Nach ann a so ’tha an dalladh air suilean agus tuigse dhaoine. Ach faiceamaid gu de a thachradh. Gu bhi lan thuigsinn so, beachdaicheamaid an toiseach gu de a bhuaidh a bhiodh aig “cis” a chur air gach gne badhair tha tighinn bho thirean cein, air an rioghachd. Tha e soilleir gu n cuireadh e bachdadh air na h-uirid a bhi tighinn do Bhreatuinn, agus mar sin gu’m biodh gainne de gach seorsa fheumalachd do-sheachnadh. Air an aobhar sin an aite obraichean a thoirt do’n rioghachd ’sann a bhiodh cunnart mor nach biodh obair idir innte. A bharr air sin, mar ’tha fhios aig a h-uile neach, tha Breatunn an crochadh air rioghachdan iomallach an t-shaoghail air son a loin, agus mo theid cis a leagail air na bheil sinn a faotainn thar chuan, feumaidh a phris eirigh, agus mo thruaighe daoine bochda ’san latha sin. Ach a nis gu bhi dearbhadh so. Aig an am so, agus bho chionn corr is tri fichead bliadhna, tha sinn a faotainn iarrunn agus fiodh do’n rioghachd gun chis, maille ri ar ’n uile f-heumalachd eile aig pris shòbarra. A bharrachd air so, tha moran obraichean ’san rioghachd an crochadh air fiodh agus iarrunn ’sa leithid sin, agus ma theid cis a chur orra cha’n e mhain gu’n ardaich am pris, ach beagaichidh iad obair na rioghachd. Tha so do-sheachnadh agus cho soilleir, agus nach ’eil aobhar leudachadh mu dheighinn badhar tioram-mar a their sinn-ach a mhain a leigeil ris dhuibh mar a bhuineas a cheist so ri biadh ar beoil. Mar a dh’ainmich mi, tha ar rioghachd an crochadh gu h-iomlan air son bidhidh air tirean cein-gu h-araid air Staitean America. Gu fortanach tha min de gach seorsa tighinn thugainn saor bho chis mar ’tha fhios agaibh, agus air neo-ni an coimeas ris a phris a bha i mu’n do thoisich “Saor Mharsantachd.” Ma theid a nis “Cis” a chur air a mhin (ge be cho beag sa bhitheas i) feumaidh gu’m bi’ i air a paigheadh leis na h-uile neach a dh’itheas aran, agus mar sin cha luaithe a leagar cis air min na dh’eireas a pris. Tha so cho simplidh ra thuigsinn, tha mi smaointeachadh, ’s nach ruig mi leas leudachadh mu [TD 3] dheighinn. Ach aon fhacal. Ma phaigheas marsantan Bhreatuinn ni’s daoire air a mhin a tha tighinn thar chuan do’n rioghachd (troimh chis a bhi air a leagail orra) reicidh iad ni’s daoire ribhse i, agus ’se sibhse a phaigheas a chis agus cha’n e na marsantan. Tuigibh so na thrath. Cia mar sin a tha e comasach gu leasaicheadh pris na mine ardachadh crannachur dhaoine bochda? Fagaidh mi freagradh na ceiste agaibh fhein. Tha moran de ghoireasan eile a bhiodh anns an dearbh shuidheachadh, mar ’tha ìm, caìs, brogan, “paraffin,” agus nithean eile nach leig uine dhomh ainmeachadh. Ach anns an dol seachad faodaidh sinn aon smuain a thoirt air a “pharaffin.” Cha’n ’eil uine cho fada bho’n a bha an oladh so dubailte ann am pris ’sa tha i bho chionn beagan bhliadhnachan, troimh mhoran de thobraichean oladh a bhi air a faotainn a mach ann an America ’san cearnan eile de’n chruinne-che, agus troimh bhi ga toirt do Bhreatuinn gun chis. Ma theid a nis cis a leagail air an t-solus bi e na uallach trom oirbh, ged nach ’eil ann ach neo-ni an coimeas ri nithean eile air an cuir sibh feum. Theirigeadh uine dhomh mas innsinn dhuibh a liuthad doigh anns am biodh e sgriosail do bhur teachd-an-tir cis a bhi air a leagail air goireasan mar a dh’ainmaich mi. Facal na dha a nis mas criochnaich mi, mo dheighinn na h argamaidean a tha air an toirt seachad ann a fabhar cis a bhi air a leagail air biadh agus goireasan eile. Tha e air a chumail a mach gu’m buanaicheadh tuathanaich mhora air bhonn gu’m biodh pris na feola agus na cloimhe air eirigh, ’nuair a bhiodh bachdadh air na h-uirid a bhi tighinn do’n rioghachd a cearnan eile. Bhiodh suil aca ri prisean mora fhaotainn air crodh agus caoraich, ach ge do thrachradh sin, a leasaicheadh e suidheachadh nan Croiteirean? Ge do gheibheadh na Croiteirean beagan thasdan a bharrachd air beathach mairt no caorach, cha bhiodh aca ach a dha no tri air a chuid as motha ra reic, agus mar sin cha bhiodh am profaid cho mor agus gu fairicheadh iad e, an coimeas ris na dh’fheumadh iad gach latha dh’ardachadh pris a thoirt air feumalachdan an tighean. Chi sinn mar sin na’m biodh profaid air bith ann gur h-e na tuathanaich mhora a gheibheadh i, gidheadh cha’n ’eil ann ach fhad a sheanachas gu faigheadh eadhon iadsan buanachd do chis a bhi air a leagail mar a thubhairt mi. Ach nan tachradh e bhi fior gu’m buanaicheadh croiteirean air doigh sam bith fo’n a chis so gu de a leanadh? Dh’ iarradh na H-uachdarain an uair sin ardachadh air mal an fhearainn troimh na laghanan ura, agus na mo shealladhsa se ceum cuthaich a bhiodh ann do chroiteir no duine bochd air bith aontachadh leis a chis a dh’ ainmaich mi. A nis anns a cho-dhunadh tarruingidh mi ar’n aire aon mhionaid gus mar a dhardaicheadh pris na “Ti” bho chionn thri bliadhna. Bha na “Tories” anns a Pharlamaid a cur sgilinn agus sgilinn suas do’n chis air a phunnd gus am b’fheudar dhoibh an uiridh dà sgilinn a thoirt dhi. Cha’n ’eil uine agam leudachadh mu’n ni so, ach tha mi creidsinn nach ’eil feum air, oir dh’fhairich ar pocaid e, agus sin gu’n atharachadh, mar a bhiodh, na’m biodh cis air uile fheumalachd an duine, agus a neach nach bi glic air a shon fhein, agus fear ionaid a chuir don pharlamaid a sheasas a choir an aghaidh na namhaid. is airidh e air a bhi fulang. Cumaibh air chuimhne “nach dean aithreachas mall bonn feuma.” LE MAC ILLE MHUIRE. Printed and Published by DAVID MACDONALD, 74 Hanover Street, Edinburgh.