[C 1] [Blank] [C 2] [Blank] [C 3] LOCHRAN AN ANMA [DA 1] [Blank] [DA 2] [Blank] [DA 3] LÒCHRAN AN ANMA [DA 4] Imprimatur. Jacobus Augustinus, Archiep. S. Andreœ et Edimburgen. Nihil obstat. Archibaldus Campbell, S.J., Censor deputatus. EDINBURGI, die 31 Jul. 1906. [DA 5] LÒCHRAN AN ANMA LEABHAR - ÙRNAIGH CAITLICEACH SANDS AGUS A’ CHUIDEACH 21 SRAID ANOBHAIR DÙNEIDEANN [DA 6] [Blank] [DA 7] CLÀR-AMAIS TAOBH A’ CHREUD 2 ANGELUS DOMINI 3 ANIMA CHRISTI 7 AN T-AIDEACHADH 2 AN T-ALTACHADH LEAPA 26 AN T-ALTACHADH MADUINNEACH 25 BEANNACH BUACHAILLEACHD 18 BEANNACHADH MOIRE 1 BEANNAICHTE GU’N ROBH DIA 9 COISRIGEADH DO MHOIRE BHANTIGHEARNA 7 COMANACHADH 83 CONAIR MOIRE 111 CRABHADH DO DH’AINM IOSA 99 CRABHADH DO LEANABAN NAOMH 20 DIAN-IARRTASAN 14 EN EGO 8 FAOISID 70 [DA 8] TAOBH GNATH-FHOCAL LE NH. BONABHENTURE 23 JESU DULCIS MEMORIA 127 LAOIDHEAN 127 LEADAN CRIDHE UILE-NAOMH IOSA 95 LEADAN IOSA 101 LEADAN MOIRE 105 MEMORARE 6 MOIRE AN DUBH-BHROIN 159 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIS 134 ORDO MISSÆ 27 REGINA CŒLI 22 SALVE REGINA 4 STABAT MATER 131 SUB TUUM PRÆSIDUIM 5 URNAIGH AIR SON A’ PHÀPA 24 URNAIGH AIR SON NAM MARBH-CHREIDEACH 24 URNAIGH AN AINGIL CHOIMHDICH 25 URNAIGH AN DÉIGH NA H-AIFRINNE 68 URNAIGH AN OSTAIL ANDREA 23 URNAIGH AN SPAIRN A’ BHÀIS 148 URNAIGH AN TIGHEARNA 1 URNAIGH BAN-NAOMH MAIREARAD 23 URNAIGH RI NAOMH COLUM CILLE 10 VENI CREATOR SPIRITUS 130 [TD 1] LÒCHRAN AN ANMA URNAIGH AN TIGHERNA Ar n-Athair a tha air néamh, gu’m bu naomh a bhios d’ainm. Gu’n tigeadh do rìgheachd. Gu’n deanar do thoil air talamh mar a thathas ’ga deanamh air néamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran làthail. Math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinne do luchd-ar-fiach. Agus na leig am buaireadh sinn. Ach saor sinn o olc. Amen. BEANNACHADH MOIRE Fàilte dhut, a Mhoire, tha thu làn de na gràsan. Tha an Tighearna maille riut. Is beannaichte thu am measg nam mnà, agus is beannaichte toradh do bhronn, Iosa. A Naoimh Mhoire, ’Mhathair Dhé, guidh air ar son ne na peacaich a nis, agus aig uair ar bàis. Amen. [TD 2] A’ CHREUD Creideam an Dia, an t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair néimh agus talmhainn. Agus an Iosa Chrìosda, ’aon Mhac-san, ar Tighearna: a ghineadh leis an Spiorad Naomh, a rugadh le Moire Oigh, a dh’fhuling fo Phontius Pilat, a chéusadh, a fhuair bàs, ’s a thìodlaiceadh. A chaidh sìos a dh’ifrinn: a dh’éirich an treas làtha bho na mairbh: a chaidh suas air néamh: a tha ’na shuidhe air deas làimh Dhé, an t-Athair uile-chumhachdach. A sin, thig e rìs a thoirt breitheanais air bheò ’s air mhairbh. Creideam anns an Spiorad Naomh, an Eaglais naomh Chaitliceach, co-chomunn nan Naomh, mathanas nam peacannan, aiseirigh na coluinne, ’s ’a bheatha shìorruidh. Amen. AN T-AIDEACHADH Tha mi ’g aideachadh do Dhia uile-chumhachdach, do Naomh Mhoire a bha riamh ’na h-Oigh, do Naomh Mìcheil an t-Ardaingeal, do Naomh Eòin Baiste, do [TD 3] na naomh Ostail Peadar agus Pòl, agus do na Naoimh uile, gu’n do pheacaich mi gu trom, le m’ smaointean, le m’ briathran, le m’ ghnìomhannan, le m’ choire féin, le m’ choire féin, le m’ mhòr choire féin. Air an aobhar sin, tha mi ’guidhe air Naomh Mhoire a bha riamh ’na h-Oigh, air Naomh Mìcheil an t-Ardaingeal, air Naomh Eòin Baiste, air na naomh Ostail Peadar agus Pòl agus air na Naoimh uile, ùrnaigh a dheanamh ris an Tighearna ar Dia air mo shon. Amen. ANGELUS DOMINI* V. Labhair aingeal an Tighearna ri Moire. R. Agus ghin ise leis an Spiorad Naomh. Fàilte dhut, a Mhoire, &c. V. Seall bean mhuinntir an Tighearna. R. Biodh e deante dhomh a rèir d’ fhocail. Fàilte dhut, a Mhoire, &c. * 100 làtha gach uair a’ ghabhar mar sin iad an staid an fhìor aithreachais. [TD 4] V. Agus gabh am Focal an nàdur-daonna. R. Agus rinn e còmhnaidh ’nar measg. Failte dhut, a Mhoire, &c. R. Guidh air ar son, a Mhàthair naomh Dhé. V. Chum gu’n toill sinn gealladh Chrìosda. Deanamaid ùrnaigh. Doirt, a Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, do gràsan ’nar cridheachan, air chor ’s gu ’m faod sinne a fhuair fios air daonnachd do Mhic Iosa Crìosda, le teachdaireachd aingil, ruigheachd, as leth a phàise agus a chroise, air glòir ’aiserigh. Troimh Chrìosda ceudna ar Tighearna. R. Amen. SALVE REGINA* Fàilte, a Bhan-Rìgh, a Mhàthair na tròcaire, ar beatha, ar sòlas, ar dòchas, fàilte. * 100 làtha laghaidh air a h-uile làtha seachdain, agus laghadh 7 bliadhna ’s 7 Carghuis gach Didònach a ghabhar an dà ùrnaigh so. [TD 5] Riutsa tha sinn, sliochd seachranach Eubha, a’ togail ar guth. Riutsa tha ar glaodh, a’ caoidh ’s ag acain an gleann so nan deur. Thoir, ma tà, iuchar nan gràs, sùil fhial oirnne na féumaich. Agus an déigh dhuinn a’ chàin-thìr so a thréigsinn, fiach dhuinn, Iosa, toradh beannaichte do chuim. O Mhoire Oigh chaomh, chàirdeil, chaoin! V. Dean àiridh mi air do mholadh, ’Oigh naomh. R. Thoir neart dhomh an aghaidh do nàimhdean. V. Beannaichte gu’n robh Dia ’na Naoimh. R. Amen. SUB TUUM PRÆSIDUIM Tha sinn a’ ruith fo d’ dhìon, a Mhathair naomh Dhé. Na diùlt ar n-iarrtas an àm ar féuma; ach saor sinn daonnan Dhoibhsan a ghabhas uair ’san làtha iad fad am beatha, làn-laghadh air na cùmhnantan gnàthaichte air dà Dhidònaich ’sa mhios, agus aig uair am bàs. [TD 6] o gach cunnart, ’Oigh glòrmhor agus bheannaichte. V. Dean àiridh mi air do mholadh, ’Oigh naomh. R. Thoir neart dhomh an aghaidh do nàimhdean. V. Beannaichte gu’n robh Dia ’na Naoimh. R. Amen. MEMORARE* Cuimhnich, a Mhoire Oigh uile-chaomh, nach cualas riamh gu’n deach aon sa bith a ruith fo d’ dhìon, a ghrìos do chòmhnadh, agus a dh’ iarr d’ eadar-ghuidhe, a thréigsinn. A’ glacail misnich is earbsa à so, tha mise ’Oigh nan oighean, a’ruith ad ionnsaidh. A Mhàthair, ad ionnsaidh tha mi ’tighinn, agus a’ caoidh mo pheacannan ad làthair. A Mhàthair Iosa, na cuir suarach mo bhriathran; ach * 300 làtha laghaidh gach uair a ghabhas i an staid an fhìor-aithreachais. Làn-laghadh aon uair ’s a’ mhìos dhoibhsan do’n àbhaist a gabhail, an car a ’s lugha, uair ’san làtha. [TD 7] éisd gu tròcaireach, agus freagair m’ achanaich. Amen. COISRIGEADH DO MHOIRE BHANTIGHEARNA O Naoimh Mhoire Bhantighearna, tha mise, an diugh, ’s gach làtha, agus aig uair mo bhàis, a’ cur m’ anma agus mo chuirp fo d’ dhìon beannaichte, agus fo d’ roghainn cùraim, agus an uchd do thròcaire. Riutsa tha mi ’g earbsa m’ uile dhòchais, m’ uile thoilinntinn, m’ uile uireasbhuidh, m’ uile thruaighe, mo bheatha, agus ceann-crìche mo bheatha; los, as leth d’ eadarghuidhe ro naoimh, agus do thoillteanais, m’ uile dhéanadas a bhi ’ga stiùradh ’s ga rian, a réir do thoile, agus toil do Mhic. Amen. ANIMA CHRISTI* ’Anma Chrìosda, naomhaich mi. * 300 làtha gach uair a ghabhar i. Seachd bliadhna agus seachd Carghuis an déigh Riarachaidh. Làn-laghadh uair ’s a’ mhìos dhoibhsan a ghabhas i, an car a’s lugha, uair ’s an làtha. [TD 8] A Chuirp Chriosda, sàbhail mi. ’Fhuil Chrìosda, sàthaich mi. ’Uisge thaoibh Chrìosda, glan mi. ’A Phais Chrìosda, neartaich mi. ’Iosa mhath, gu gràsor éisd rium. An ad lotan falaich mi. Na fuiling mo sgaradh bhuat. O’n nàmhaid aingidh teasraig mi. Aig uair mo bhàis, gairm mi. Agus, ordaich mi ’thighinn ad ionnsaidh. Gu bhi maille ri d’ Naoimh a’ toirt cliù dhut. Fad shaoghal nan saoghal. Amen. EN EGO (an lathair Ceusaidh)* Seall, O Iosa mhath agus uile-chaoimh, tha mi air mo ghluinean ’gam ùmhlachadh féin ad làthair, agus mi le uile dhùrachd m’ anma a’ guidhe agus a’ grìosad ort, gu’n deònaicheadh tu beò-fhaireachdainn creidimh, dòchais agus gràidh, agus fìor * Làn-laghadh air na “cumhnantan gnàthaichte,” do gach aon a ghabhas gu crabhach an ùrnaigh so am fianais dealbh no ìomhaidh Chrìosda air a chéusadh. [TD 9] aithreachais air son mo pheacannan, maille ri rùn-leasachaidh ro làidir, a chàramh am chridhe. Agus mi le faireachadh-cridhe agus le dùbh-bhròn anma, a’ smaoineachadh rium féin; agus a’ meòrachadh am inntinn air do chòig lotan, agus agam fa chomhair mo shùil, an nì a labhair am fàidh Dàbhaidh, ’s an fhàisneachd, mu d’ dheidhinn. ’Iosa mhath: “Tholl iad mo làmhan agus mo chasan: chùnnt iad mo chnaimhean uile.” BEANNAICHTE GU’N ROBH DIA* Beannaichte gu’n robh Dia. Beannaichte gu’n robh ’aimn naomh. Beannaichte gu’n robh Iosa Chrìosda, fìor Dhia agus fìor dhuine. Beannaichte gu’n robh ainm Iosa. Beannaichte gu’n robh a Chridhe ro Naomh. Beannaichte gu’n robh Iosa an Sàcramaid uile-naomh na h-Altrach. * Bliadhna laghaidh gach uair a theirear e. Làn-laghadh uair ’s a’ mhiòs dhoibhsan a their e uair ’s an làtha fad a ’mhìos. [TD 10] Beannaichte gu’n robh Màthair urramach Dhé, Moire ro naomh. Beannaichte gu’n robh a gineadh naomh gun smal. Beannaichte gu’n robh ainm Moire, Oigh agus Màthair. Beannaichte gu’n robh Dia ’na Ainglean naomh agus ’na Naoimh. URNAIGH RI NAOMH COLUM CILLE In nomine Patris et Filii, et Spiritus Sancti. Amen. Beannaichte gu’n robh an Trianaid Naomh agus neo-dhealaichte a nis agus gu siorruidh. Amen. Tha mi ’coisrigeadh nan tri Chaoil (Caol nan dùirn, Caol na cuim, agus Caol nan cas) mar chuimhneachan air Naomh Colum Cille. Tha mi ’coisrigeadh nan tri chaoil, ’s gach ni a th’agam an lathair Nh. Cholum Chille, ’s nan Naomh Gàidhealach uile. Spero in Deo quoniam adhuc confitebor illi; salutare vultus mei et Deus meus. Gloria Patri et Filio et Spiritui Sancto. [TD 11] Tha mi ’toirt aoraidh is glòire do Dhìa an diugh (no an nochd). Glòir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh. Mar a bha, ’s mar a tha ’s mar a bhitheas fad shaoghal nan saoghal. Amen. Tha mi ’coisrigeadh Caol nan dùirn. A Naoimh Cholum Chille! Guidh gu grad, ’s gu buileach, ’s gu dùrachdach; guidh gu tuath, ’s gu deas; guidh an ear agus an iar; guidh a nuas agus shuas, a bhos agus thall; guidh air ais, ’s air aghaidh, h-uig agus uaithe, agus gu là bràth. GUIDH MAR ÉIRIG Air casan Chrìosda cho geal ris a’ bhainne. Air glùnean Chrìosda cho làidir ri carraig. Air anart-bàis Chrìosda cho soilleir ri ceò. Air uchd Chrìosda cho suaineach ri tonn Air guaillean Chrìosda cho farsuing ris na beanntain Air bèul Chrìosda cho iomlan ris an fhlùr. Air sùilean Chrìosda cho caoimhneil ri dealradh na gréine dol fodha Air falt Chrìosda cho bachlach ris an t-sruth. Air gàirdeanan Chrìosda cho sùbailte ri bannan [TD 12] Air meòir Chrìosda cho ceannasach ris na speuraibh Agus air a cheann naomh. Pater noster qui es in cœlis. Sanctificetur nomen tuum. Adveniat regnum tuum. Fiat voluntas tua sicut in cœlo et in terra. Panem nostrum quotidianum da nobis hodie. Et dimitte nobis debita nostra sicut et nos dimittimus debitoribus nostris. Et ne nos inducas in tentationem. Sed libera nos a malo. Amen. Tha mi ’coisrigeadh Caol mo chùim. GUIDH MAR ÉIRIG Air a bheus Air a dhilseachd Air a charranachd Air a gheimnidheachd Air a chiùineachd Air a mhàldachd Air a thrèine Air a mhisneachd Air a mheasarachd Air ’fhulangas Air ’irisleachd Agus air a bhochdas ro naomh. Fàilte dhut A Mhòire, &c. Tha mi ’coisrigeadh Caol nan cas. [TD 13] GUIDH AIR SGÀTH A bhreith naomh is fhìor-ghlàn. A leanabas gun ghaoid. A bhaisteadh A thraisg dà fhichead làtha agus dà fhichead oidhche, agus a bhuaireadh. Nan ochd beannachdan. A thaghadh an dà-fhear-dhìag Naoimh. A chaochladh cruth air a’ bheinn A bhrath le Iudas. A dhiteadh agus a bhinn eucoraich A bhàs agus a thiodhlacaidh ’Aiseirigh, agus ’dheas-ghabail ghlòrmhor. An ainm Iosa Chrìosda ar Tighearna èiream (no, gabham gu fois). Na seachd reultan ’gam stiùradh An dà-fhear-dhìag ’gam sheòladh. Na còig lotan ’gam dhìonadh Na tri sanasan ’nam chluasan Sìth nan seachd Eaglaisean ’gam cuairteachadh. An aon Dìa ’gam riaghladh Sgiath chreidimh os mo cheann An claidheamh soluis air m’aghaidh Focal Dhé air mo chultaobh M’Aingil choimhdich làmh rium An Spioraid Naomh maille rium A nis agus gu sìorruidh. Amen. Triath nan Triath. Amen. [TD 14] ’Iosa, beannaich, stiùir agus gléidh mi, agus thoir mi gu beatha mhaireannaich. A Choluim Chille! guidh air son na h-Alba, agus air mo shon-sa. Amen. DIAN-IARRTASAN An ainm an Athar, agus a’Mhic agus an Spioraid Naoimh. Amen. Beannaichte gu’n robh an Trianaid Naomh agus neo-dhealaichte, a nis agus gu sìorruidh. Amen. A Spioraid Naoimh, thig agus lìon cridheachan do chreideach, agus las annta teine do ghaoil. Amen. O Iosa, neartaich mi gu an-miannan na coluinne a cheannsachadh le féin-chlaoidh, sannt le déirce, fearg le ciùineachd, fuar-chràbhadh le aoradh diongmhalta. Ma tha thusa leam, a Dhia, is coma co ’bhios am aghaidh. O Thighearna Iosa, spìon éideadh [TD 15] gràineil a’pheacaidh de m’anam, agus cuir uime trusgan àillidh do ghràs, gus am bi e taitneach ad làthair. Amen. ’Athair, a Mhic, ’s a Spioraid Naoimh, Biodh an Tri-an-Aon leinn a là ’s a dh’ oidhche. Air chùl nan tonn, no air thaobh nam beann, Biodh ar Màthair leinn, ’s biodh a làmh mu ’r ceann. O m’anam, leig dhiot smaointean saoghalta. Le creideamh beò, umhlachd, agus gràdh, uidheamaich thu féin gu aoradh a thoirt do d’Shlànair naomh. ’Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dean tròcair orm. A Thighearna, cha ’n fhiach mise gu ’n tigeadh tu staigh fo m’fhàrdaich, ach abair am focal a mhàin, ’s bithidh m’anam sàbhailte. A Thighearna, dean tròcair oirnn, A Chrìosda, dean tròcair oirnn, [TD 16] A Chrìosda, éisd ruinn, A Chrìosda, gu gràsor éisd ruinn A Dhia, dean tròcair oirnn, A Naoimh Mhoire, guidh air ar son, A Mhàthair naomh Dhé, guidh air ar son, Oigh naomh nan òighean, guidh air ar son, A Naoimh Ioseiph, guidh air ar son, A Naoimh Peadair, guidh air ar son, A Naoimh Pòl, guidh air ar son, A Naoimh Aindrea, guidh air ar son, A Naoimh Shéumais, guidh air ar son, A Naoimh Eòin, guidh air ar son, A Naoimh Thòmais, guidh air ar son, A Naoimh Philip, guidh air ar son, A Naoimh Bhartholome, guidh air ar son, A Naoimh Mhata, guidh air ar son, A Naoimh Shìmon, guidh air ar son, ’Ostala ’s a Shoisgeulaiche naomh’ uile, guidhibh air ar son. A Naoimh Choluim Cille, guidh air ar son, A Naoimh Phàdruig, guidh air ar son, A Naoimh Eunain, guidh air ar son, A Naoimh Nàthalain, guidh air ar son, A Naoimh Niniain, guidh air ar son, [TD 17] A Naoimh Chiarain, guidh air ar son A Naoimh Mhunga, guidh air ar son, A Naoimh Fhionnain, guidh air ar son, A Naoimh Fhiaich, guidh air ar son, A Naomha Ghàidhealaich uile, guidhibh air ar son. O Thighearna Iosa, beannaich, naomhaich agus lìonorach an Eaglais naomh Chaitliceach. Thoir gràsan an Spioraid Naoimh d’a Ceannard agus d’a buachaillean; agus biodh gach aon de ’n tréud ùmhal, freagrach dhoibh, agus an giùlan iriosal, diadhaidh, carranach. Deònaich an cinneadh-daoine gu léir a thoirt a staigh do d’lagh naomh. Amen. Riutsa, O Thighearna, tha mi ’g earbsa m’anma agus mo choluinne, mo theaghlaich, mo phàrantan, mo bhràithean, mo pheathraichean, mo chàirdean, mo dhìlsean, mo luchd-eòlais, agus gach aon tha e mar fhiachan orm guidhe air an son. O Thighearna, stiùir le d’ghliocas, agus dìon le d’chumhachd, an Eaglais naomh Chaitliceach, agus ar dùthaich féin. O [TD 18] Thighearna, deònaich gu ’m faigh an cinneadh-daoine gu léir eòlas ort; agus gu’n toir gach neach onair, urram, agus gaol dhut. Thoir an sluagh a tha air seachran gu slighe na fìrinne. Thoir solus do chreidimh ghràsoir dhoibhsan a tha an dorchadas, an aineòlas, no ’n eiriceachd. O Thighearna, thoir cobhair agus furtachd do gach aon a tha an trioblaid, an teinn no ’m buireadh. Fuasgail air gach aon a tha an trioblaid a thaobh anma no cuirp. Bitheamaid gu léir fo d’ dhìdinn naoimh. Thoir mathanas do na Crìosdaidhnean a tha an talamh nam beò, agus fois shìorruidh do na creidich a dh’fhàg a’bheatha so. Amen. BEANNACH BUACHAILLEACHD Cuiream-sa an spréidh so romham, Mar a dh’ordaich Righ an domhain. Moire ’gan gleidheadh, ’gam feitheamh, ’gan coimhead Air bheinn, air ghleann air chòmhnard. Eirich a Bhride mhin-gheal, Glac-sa do chir agus d’fhalt; [TD 19] O rinn thu doibh eòlas gun òr ’Gan cumail o chall ’s o lochd, ’Gan cumail o chall ’s o lochd. O chreag, o chabhan o allt, O chara cam, o mhille sluic O shaighdibh nam ban seanga sith O chridhe mhi-rùn, o shùil an uilc O chridhe mhi-rùn, o shùil an uilc. A Mhoire Mhàthair, cuallaichs’ an t-àl gu léir! A Bhride nam basa-mine, dion-sa mo spréidh! A Chaluim chaoimh, a Naoimh is feàrr buadh, Comaraich-sa cròdh an àil, bàirig am buar Comaraich-sa cròdh an àil, bàirig am buar. O mo Bhantighearna. O mo Mhàthair, cuimhnich gur leat féin mi. Gléidh mi, teasraig mi, mar do chuid ’s do sheilbh féin. A Chridhe Iosa ro naomh, dean tròcair oirnn. [TD 20] ’Iosa, dean tròcair oirnn. A Chridhe Iosa ro naomh, dean tròcair oirnn. A Chridhe Iosa ro naomh, dean tròcair oirnn. A Chridhe Iosa ro naomh, thoir dhomh, tha mi ’guidhe ort, gràs is neart gus mo ruigheachd troimh an làtha an diugh air dhòigh ’s nach chuireas fearg is mulad ort an lorg mo smaointean, mo bhriathran, agus mo dhéanadas. A Naoimh Mhoire, ’Mhathair naomh Dhé, dean eadar-ghuidhe air mo shon los gu’n cluinn Dia m’achanaich iriosal. Amen. CRABHADH DO LEANABAN NAOMH A Leinibh Naoimh! Tha mi’ greasadh ad ionnsaidh. Tha mi’guidhe ort as leth do Mhàthar gu’n saor thu mi. Oir, tha mi’ creidsinn gu daingean gu’m bheil do dhiadhachd ’gam dhìon. Tha dòchas agam gum faigh mi do ghràs ro naomh. Tha mi ’toirt gaoil dhut le m’uile chridhe, ’s le m’uile anam. [TD 21] Tha mi fìor dhuilich air son mo pheacannan, agus tha mi ’guidhe ort, a Leinibh Naoimh, gu’n saor thu mi. Tha mi ’cur romhan gu’n smachdaichidh mi mi féin, ’s nach cuir mi fearg ort chaoidh t-uile. Air an aobhar sin, tha mi ’gam thairgse féin dhut, los gach ni fhulang air do shonsa. A thuile air sin, ni mi seirbheas dhut gu dileas gu bràth; agus bheir gaol do m’ choimhearsnach mar dhomh féin air do sgath-sa. A Leinibh Naoimh, tha mi’ toirt aoraidh dhut. A Leinibh Naoimh, tha mi ’guidhe ort gu’n saor thu mi, agus deònaich do d’ sheirbhisich t’fhocal éisdeach a chaoidh. Agus tha mi ’g achanaich ortsa cuideach t’aodan fhaicinn maille ri Moire ’Mhathair is Ioseph, agus aoradh a thoirt dhut am measg nan Ainglean uile. Amen, Amen, Amen. [TD 22] REGINA CŒLI* A Bhan-Rìgh nam flaitheas, biodh aoibhneas ort. Alleluia. Oir esan a bha thu ’d àiridh air a ghiùlan. Alleluia. Rinn e ’n aiseirigh mar a dh’innis e. Alleluia. Guidh air ar son-ne ri Dia. Alleluia. V. Biodh aighir agus aoibhneas ort, a Mhoir’ Oigh. Alleluia. R. Oir dh’ éirich gu fìrinneach an Tighearna. Alleluia. DEANAMAID ÙRNAIGH O Dhia, a dheònaich an saoghal a dheanamh aoibhneach le Aiseirigh do Mhic ar Tighearna Iosa Crìosda, tiùraich, guidheamaid ort, as leth a Mhàthar an Oigh Moire gu’m faigh sinn sòlas na beatha maireannaiche. Troimh Chrìosda ceudna ar Tighearna. Amen. * 100 làtha gach uair a ghabhar sinn iad an staid an fhìor aithreachais. [TD 23] GNÀTH-FHOCAL LE NH. BONABHENTURE Gabhaidh mi mo thàmh an cridhe naomh mo Thighearna. Ni mi faire is ùrnaigh an sin, agus leughaidh mi, ithidh mi, ’s òlaidh mi annsan; agus is an sin a ghabhas mi geur-bheachd air mo chùisean féin uile. Labhraidh mi an sin ris a chridhe-sa, agus gheibh mi uaidh a a h-uile ni ’s is àill leam. URNAIGH AN OSTAIL AINDREA Tha sinn gu h-ùmhlaidh a’ guidhe air do Mhòrachd, a Thighearna, an t-Ostal beannaichte Aindrea, amhuil ’s mar a bha e ’na shearmonaiche agus ’na bhuachaille na d’Eaglais, mar sin gu’m bi e ’g eadarghuidhe daonnan riutsa air ar son. Troimh, &c. URNAIGH BAN-NAOMH MAIREARAD A Dhia, a rinn Bàn-naomh Mairearad Ban-rìgh na h-Alba, ro iomraiteach a thaobh a mòr-iochd do na bochdan; deònaich, as leth a h-eadarghuidhe agus [TD 24] a samhlaidh, do ghaol a bhi sìor-mhiadachadh ’nar cridheachan. Troimh, &c. URNAIGH AIR SON A’ PHÀPA* V. Guidheamaid air son ar n-Ardeasbuig am Pàp. R. Gu’n gleidheadh an Tighearna e, gu’n neartaicheadh e e; gu’n tugadh e deagh shoirbheas dha air talamh, agus na leigeadh e gu mì-rùn a nàimhdean e. Paidir, agus Beannachadh Moire. URNAIGH AIR SON NAM MARBH-CHREIDEACH O Dhia a Chruthadair agus a Shlànair nan creideach gu léir, thoir do dh’anmannan do sheirbhiseach làn mathanas ’nam peacannan, agus biodh iad air an saoradh uapa mar is deònach leotha, troimh thoradh ’achanaich diadhaidh-san a tha beò agus a’ riaghladh fad shaoghal nan saoghal. Amen. * 300 làtha gach uair a ghabhar i. Làn-laghadh uair ’s a’ mhìos air na “cùmhnantan gnàthaichte.” [TD 25] V. Fois shiorruidh thoir dhoibh, O Thighearna. R. Agus solus nach dìbir dèarrsadh orra. V. Gu’n robh am fois an sìth. Amen. URNAIGH AN AINGIL CHOIMHDICH* O Aingil Dhé, mo choimhidiche, soilleirich, dìon, riaghail, agus, stiùir mise a chuir Dia ’na thròcair fod chùram. Amen. AN T-ALTACHADH MADUINNEACH Dia leam a’ laighe Dia leam ag éiridh Dia leam gach aon rà-soluis Gun an aon rà son’ às aonais Gun an aon rà son’ às aonais An Dia ’gam stiùradh An Dia ’gam sheòladh * 100 làtha laghaidh gach uair a ghabhar i Làn-laghadh aig uair a’ bhàis dhoibhsan d’an àbhaist a gabhail tric. Làn-laghadh uair ’s a’mhìos air na cùmhnanntan gnathaichte dhoibhsan a ghabhas i, an car a’s lugha, uair ’san làtha fad a’ mhìos sin. [TD 26] An Tighearna Dia ’gam riaghladh A nis agus gu siòrruidh. Amen. Triath nan Triath. Amen. AN T-ALTACHADH LEAPA Tha mise ’laighe an nochd le Moire ’s le ’Mac, Le Màthair mo Rìgh, ’tha ’gam dhìon o gach lochd; Cha laigh mi leis an olc, cha laigh an t-olc leam Ach laighidh mi le Dia, is laighidh Dia leam. Làmh dheas Dé fo mo cheann Soillse an Spioraid os mo cheann Crois nan naoidh Aingeal tharam sìos O mhullach mo cheann gu ìochdar mo bhonn. Guidheam Peadar, guidheam Pòl Guidheam Moir’ Oigh, agus a Mac Guidheam an dà Ostal deug Gun mise dhol eug an nochd. [TD 27] A Dhia, agus a Mhoire na glòrach, Ios’ a Mhic na h-Oighe cùbhraidh Cùmaibh sinne o na piantaibh, ’S o’n teine shìorruidh mhùchta. ORDO MISSÆ AN ainm an Athar, agus a’ Mhic agus an Spioraid Naoimh. Amen. S. Théid mi staigh gu altair Dhé. C. Gu Dia a tha ’deanamh m’òige subhach. xliii. Salm. S. Thoir-sa breith orm, a Dhia, agus eadar-dhealaich mo chùis o’n chinneadh nach naomh: o’n duine éucorach agus chealgach teasraig mi. C. Oir is tus’, a Dhia, mo neart: car son a chuir thu bhuat mi? Agus car son is dubhach mo thriall, ’s mo nàmhaid ’gam chlaoidh? S. Cuir a nuas do sholus agus d’fhrìnn: threòirich iad mi, agus thug iad mi gu [TD 28] d’ bheinn naoimh, agus a staigh do d’ phàillinnean. C. Agus théid mi staigh gu Altair Dhé: gu Dia a tha ’deanamh m’òige subach. S. Bheir mi moladh dhut air a’chlàrsaich, a Dhia, mo Dhia. Ciod, uime, a tha thu dubhach, m’anam? Agus car son a tha thu a’ cur bruaidhlein orm? C. Cuir d’ earbsa an Dia; oir fathast bheir mi moladh dha—slàinte mo ghnùise, agus mo Dhia. S. Glòir do ’n Athar, agus do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad Naomh. C. Mar a bha, ’s mar a tha, ’s mar a bhitheas, fad saoghal nan saoghal. Amen. S. Théid mi staigh gu Altair Dhé. C. Gu Dia a tha ’deanamh m’òige subhach. S. Tha ar cobhair an ainm an Tighearna. C. A rinn néamh agus talamh. S. Tha mi ag aideachadh do Dhia, &c. C. Gu’n deanadh Dia uile-chumhachdach tròcair ort, gu’m mathadh e dhut [TD 29] do pheacannan, agus gu’n stiùireadh e thu gu beatha shìorruidh. S. Amen. C. Tha mi ag aideachadh do Dhia uile-chumhachadh, do naomh Mhoire, ’bha riamh ’na h-Oigh, do Naomh Micheil an t-Ard-Aingeal, do Naomh Eòin Baiste, do na naomh Ostail Peadar agus Pòl, do na Naoimh uile, agus dhuibhse, ’Athair, gu’n do pheacaich mi gu trom, le m’ smaointean, le m’ bhriathran, ’s le m’ ghnìomhannan, le m’ choire féin, le m’ choire féin, le m’mhòr choire féin. Air an aobhar sin, tha mi ’guidhe air naomh Mhoire, ’bha riamh ’na h-Oigh, air Naomh Micheil, an t-Ard-Aingeal, air Naomh Eòin Baiste, air na naomh Ostail Peadar agus Pòl, air na Naoimh uile, agus oirbhse, ’Athair, urnaigh a dheanamh ris an Tighearna ar Dia air mo shon. S. Gu’n deanadh Dia uile-chumhachdach tròcair oirbh, gu’m mathadh e dhuibh ur peacannan, agus gu’n stiùireadh e sibh gu beatha shìorruidh. C. Amen. S. Gu’n tugadh an Tighearna uile- [TD 30] chumhachdach agus tròcaireach mathanas, fuasgladh, agus saorsa dhuinn ’nar peacannan. C. Amen. S. A Dhia, tionndaidh tu ruinn agus beothaichidh tu sinn. C. Agus ni do shluagh subhachas annad. S. Fiach dhuinn, a Thighearna, do thròcair. C. Agus deònaich dhuinn do shlàinte. S. A Thighearna, éisd ri m’ùrnaigh. C. Agus gu d’ ionnsaidh thigeadh m’ achanaich. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ Spiorad-sa. GUIDHEAMAID Buin dhinn ar ciontan, a Thighearna tha sinn a’ guidhe ort, los gu’n toill sinn dol a staigh le cridhe glan do ’n ionad-naomh. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Amen. Tha sinn a’ guidhe ort, a Tighearna, [TD 31] troimh thoillteanas do Naomh leis an leis na tàibhsealan a tha ’n so agus nan Naomh uile, gu’n deònaicheadh tu m’ uile pheacannan a mhathadh dhomh. Amen. AN T-INTROITUS Beannaichte gu’n robh an Trianaid naomh agus an Aonachd neo-dhealaichte: bheir sinn glòir dha; oir rinn e tròcair oirnn. Sm. A Thighearna, ar Tighearna nach àghor d’ ainm air an talamh uile! V. Glòir do ’n Athair, &c. CÌRIDH ELEISON S. A Thighearna, dean tròcair oirnn. C. A Thighearna, dean tròcair oirnn. S. A Thighearna, dean tròcair oirnn. C. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. S. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. C. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. S. A Thighearna, dean tròcair oirnn. C. A Thighearna, dean tròcair oirnn. S. A Thighearna, dean tròcair oirnn. [TD 32] GLORIA IN EXCELSIS Glòir do Dhia anns na h-àrdaibh, agus air talamh sith do luchd na deagh thoile. Tha sinn a’ toirt molaidh dhut, tha sinn a’ toirt beannachaidh dhut, tha sinn a’ toirt aoraidh dhut, tha sinn a’ toirt glòire dhut, tha sinn a’ toirt buidheachais dhut air son do mhòr ghlòire, a Thighearna Dia, a Rìgh Néimh, a Dhia, an t-Athair uile-chumhachdach, a Thighearna ’Aon-ghin Mhic, Iosa Crìosda: a Thighearna Dia, Uan Dhé, Mac an Athar. Thusa a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dean tròcair oirnn. Thusa a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail gabh ri ’r n-ùrnaighean. Thusa a tha ’nad shuidhe air deas làimh an Athar, dean tròcair oirnn; oir is tusa ’mhàin a tha naomh: is tusa ’mhàin a ’s Tighearna: is tusa ’mhàin a’s àirde. ’Iosa Chrìosda, maille ris an Spiorad Naomh, an glòir Dhé, an t-Athair, Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. [TD 33] GUIDHEAMAID A Dhia uile-chumhachdach shìorruidh, a thiuraich do d’ sheirbhisich an aidmheil an fhior-chreidimh, glòir na Trianaide sìorruidh aideachadh, agus an cumhachd na mòrachd aoradh a thoirt do ’n aonachd; deònaich le bunailteas daingeann ’s a’ chreideamh cheudna, gu’m bi sinn tiarainnte daonnan o gach truaighe. Troimh Iosa Crìosda, do Mhac, ar Tighearna; Dia a tha beò agus a’ rian maille riutsa an aonachd an Spioraid Naoimh: S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. AN LITIR (Rom. xi. 33-36) O doimhne saibhreas gliocas agus eòlas Dhé: nach do-thuigsinneach a bhreitheanasan, agus do-rannsaichte a ràthaidean! Oir co d’ am b’ aithne beachd an Tighearna? No co b’ fhear comhairle dha? No co thug dha an toiseach is dìolar dha? Oir is ann uaithsan, agus troimhsan, agus annsan a tha h-uile ni; dha- [TD 34] san gu’n robh onair is glòir gu sìorruidh, Amen. C. Taing do Dhia. AN GRADUAL Is beannaichte thusa ’Thighearna, a tha ’gabhail beachd air na h-aigeil, ’s a tha ’nad shuidhe air na Cherubim. Is beannaichte thusa, a Thighearna, an spéur Néimh, agus is àiridh air cliù gu sìorruidh. Alleluia, Alleluia: is beannaichte thusa a Thighearna Dia ar n-athraichean, agus is àiridh air cliù gu sìorruidh. Alleluia. MUNDA COR MEUM Glan mo chridhe agus mo bhilean, a Dhia, uile-chumhachdaich, a ghlan bilean an fhàidh Isàia le éibhleig theine. As leth do chaomh thròcaire, dèonaich mo ghlanadh air sheòl ’s gur h-urrainn domh do shoisgeul naomh a chur gu h-iomchuidh an céill. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. [TD 35] S. Earrann de ’n t-Soisgeul naomh (no toiseach an t-Soisgeul naoimh) a réir Naomh … C. Glòir dhutsa a Thighearna. AN SOISGEUL (Mata xxviii. 18-20) [Laideann] ’S an àm ud, thubhairt Iosa ri ’dheisciobuil, thugadh dhomhsa a h-uile cumhachd air neamh ’s air talamh. Falbhaibh mata, agus teagaisgibh a h-uile cinneadh, ’gam baisteadh an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Nàoimh; a’ teagasg dhoibh a h-uile ni a chumail a dh’àithn mise oirbh; agus seall, tha mise maille ribh h-uile latha gu deireadh an t-saoghail. C. Cliù dhutsa, a Chrìosda. S. Gu’n robh ar peacannan air an dubhadh as le briathran an t-Soisgeil. [TD 36] A’ CHREUD [Laideann] Creideam an aon Dia, an t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair néimh agus talmhainn, a h-uile nì fhaicinnich agus neo-fhaicinnich. Agus an aon Thighearna Iosa Crìosda, aonghin Mhic Dhé, agus a rugadh o’n Athair roimh gach linn. Dia de Dhia; ginte cha’n ann deante; de’n aon shusbaint ris an Athair, leis an d’rinneadh a h-uile ni. A thàinig as na flaithis air ar son-ne daoine, agus gus ar sàbhaladh; agus a ghabh feòil leis an Spiorad Naomh de’n Oigh Moire: AGUS A RINNEADH ’NA DHUINE. Chéusadh e cuideachd air ar son, dh’ fhuiling e fo Phontius Pilat, agus thìodhlaiceadh e. Agus dh’éirich e rìs an treas [TD 37] [Laideann] latha a réir nan sgriobtur; agus chaidh e suas do nèamh; tha e ’na shuidhe air deas-làimh an Athar: agus thig e a rìs le glòir a thoirt breith air bheòtha ’s air mhairbh: air a rìgheachd cha bhi crìoch. Agus anns an Spiorad Naomh, Tighearna agus Tobhartair na beatha, a tha a’ tighinn o’n Athair agus o’n Mhac. A thathas ag aoradh agus a’ co-ghlòrachadh maille ris an Athair agus ris a’ Mhac; a labhair leis na Fàidhean. Agus an aon Eaglais naoimh Chaitlicich agus Ostalaich. Tha mi ag aidmheil aon bhaistidh gu mathanas pheacannan. Agus tha mo dhùil ri aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a tha ri tighinn. Amen. [TD 38] [Laideann] S. Gu’n robh an Thighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. AN T-OFFERTORIUM Beannaichte gu’n robh Dia an t-Athair, agus Aonghin-Mhic Dhè, agus maraon an Spiorad Naomh; òir dh’fhiach e a thròcair dhuinn. AIG TAIRGSE AN ARAIN Athair naoimh, Dhia uile-chumhachdaich, shìorruidh, gabh an tobhartas fìorghlan so, a tha mise do sheirbhiseach gun airidh a’ tairgsinn dhut, mo Dhia beò agus fìor, an éirig mo pheacannan, mo chiontan, agus mo dhearmad gun àireamh, agus air son gach neach ’san làthair, ’s [TD 39] [Laideann] maraon air son nan creideach uile, beò agus marbh, los e bhi gu stàth dhòmhsa agus dhoibhsan a thaobh sàbhalaidh gu beatha shìorruidh. Amen. AIG CUR AN FHIONA AGUS AN UISGE ANNS A’ CHAILIS A Dhia, a dhealbh gu h-àghor inbhe na daonnachd, agus a dh’ ath-nuadhaich na b’àghoir’ e, deònaich dhuinne as leth dìomhrachd an Uisge agus an Fhìona so, a bhi ’nar co-phàirtichean de dhiadhachdsan a dhèonaich a bhi ’na cho-pàirtiche d’ar daonnachd-ne, do Mhac-san Iosa Crìosda ar Tighearna; Dia, a tha beò ’s a’ rian maille riutsa an aonachd an Spioraid Naoimh, fad shaoghal nan saoghal. Amen. [TD 40] AIG TAIRGSINN NA CAILISE [Laideann] Tha sinn a’ tairgsinn dhut, a Thighearna, cailis an t-sàbhalaidh, a’ guidhe air do thròcair, gu’n éirich i suas le fàileadh cùbhraidh an làthair do Mhòrachd diadhaidh air son ’ar sàbhalaidh féin agus an t-saoghail uile. Amen. An spiorad na h-irrsleachd, agus le cridhe brùite deònaich gabhail ruinn, a Thighearna: agus gu’m bi ’ar n-ìobairt an diugh deante ’nad làthair air dhòigh a ni taitneach dhut i, a Thighearna Dia. Thig-sa a Naomhaichear, a nuas, a Dhia uile-chumhachdaich, shìorruidh, agus beannaich an ìobairt so a tha air a h-ullachadh an onair d’ ainm naoimh. [TD 41] xxv. Salm.—Lavabo. [Laideann] Nighidh mi mo làmhan am measg nan neo-chiontach, agus iadhaidh mi mu d’altair, a Thighearna: Los gu’n cluinn mi fonn cliù, ’s gu’n cuir mi’n céill d’uile bheartan iongantach. A Thighearna, ghràdhaich mi maise do thaighe, agus ionad-còmhnaidh do ghlòire. Na cuir as do m’ anam, a Dhia, maille ri luchd-na-mollachd, no do m’ bheatha maille ri luchd-na-fala. Tha lochdan ’nan làmhan; tha an làmh dheas làn de dhuaisean. Ach mise ghluais mi’ am neo-chiontas: saor mi agus dean tròcair orm. Sheas mo chas air an t-slighe dhìrich: anns na h-eaglaisean beannaichidh mi thu, a Thighearna. [TD 42] [Laideann] Gloir d’on Athair, &c. An uair a tha’n sagart ’ga chromadh féin aig miadhon na h-altrach. Gabh, a Thrianaid naomh, an ìobairt so a tha sinn a’ tairgsinn dhut mar chuimhneachan air pàis, air aiseirigh, agus air deasghabhail ar Tighearna Iosa Crìosda; agus an onair naomh Mhoire ’bha riabh ’na h-Oigh, Naomh Eòin Baiste, nan naomh Ostal Peadar agus Pòl, agus nan Naomh so, agus nan Naomh uile; gu’n tigeadh i gu onair dhoibhsan agus gu sàbhaladh dhuinne: agus gu’n deònaicheadh iadsan air am bheil sinn a’ toirt cuìmhne air talamh, eadar-ghuidhe a dheanamh air ar son anns na flaithis. Troimh [TD 43] [Laideann] Chrìosda ceudna ar Tighearna. Amen. S. Guidhibh, a bhràithrean, m’ ìobairt ’s ur n-ìobairt-se a bhi taitneach do Dhia an t-Athair uilechumhachdach. C. Gu’n gabhadh an Tighearna an ìobairt as do làmhan, gu moladh agus glòir d’a ainm féin, gu stàth dhuinne, agus d’a Eaglais naoimh gu h-iomlan. AIG NA SECRETA Naomhaich, guidheamaid ort, a Thighearna ar Dia, as leth ar gairm air d’ainm naomh, tobhartas na tairgse so; agus as a leth dean sinne féin ’nar toìdhlaic sìorruidh dhutsa. Troimh, &c. [TD 44] AIG AN ROIMHRADH [Laideann] S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. S. Togaibh suas ur cridheachan. C. Tha iad an togail suas againn ris an Tighearna. S. Thugamaid buidheachas do’n Tighearna ar Dia. C. Is freagrach agus is ceart sin. Gu fìrinneach is freagrach agus ceart, réusanta agus slàinteil, gu’n tugamaid anns gach àm agus àite buidheachas dhutsa, a Thighearna naoimh, ’Athair chumhachdaich, a Dhia shìorruidh. A tha le d’Aonghin-Mhic agus leis an Spiorad Naomh, ’nad [TD 45] [Laideann] aon Dia, ’nad aon Tighearna: cha’n an aonachd aon Phearsa, ach an Trianaid de’n aon shusbaint. Oir na tha sinn a’ creidsinn mu d’ ghlòir-sa, mar a thaisbean thu, sin tha sinn a’ creidsinn mu d’ Mhac, sin mu’n Spiorad Naomh, gun mhùthadh - eadardhealachaidh. Air chor ’s an aidmheil na fìor dhiadhachd sìorruidh, gu’n aorar na Pearsaichean fos leth, agus aonachd anns an t-susbaint, agus ionannachd anns a’ Mhòrachd. A tha na h-Ainglean agus na h-Ard-ainglean, agus amhuil sin na Cherubim agus na Seraphim a’ moladh, ’s iad gun sgur a’ glaodhaich gach làtha, le aon ghuth, a’ ràdh: Is NAOMH, NAOMH, NAOMH, [TD 46] [Laideann] Tighearna Dia nam feachd. Tha néamh agus talamh làn de d’ghlòir. Osanna anns na h-àrdaibh. Is beannaichte esan a tha ’tighinn an ainm an Tighearna. Osanna anns na h-àrdaibh. CANON MISSÆ AIR an aobhar sin, ’Athair uile-thròcairich, tha sinn gu h-iriseal a’ guidhe ’s ag achanaich ort, as leth Iosa Chrìosda do Mhac ar Tighearna, gu’n gabhadh tu le deagh-ghean, agus gu’m beannaicheadh tu, na tìodhlaicean so, na tobhartais so, na h-ìobairtean naomh fìorghlan so, a tha sinn an tùs a’ tairgsinn suas dhut air son [TD 47] [Laideann] d’Eaglais naoimh Caitlicich; deònaich dhi sith, dìon, aonachd, agus deagh-rian anns gach cèarna de’n t-saoghal; agus amhuil sin air son do sheirbhisich am Pàp, A. air son ar n-Easbuig, A. ’s air son nam fìorchreideach uile ’s luchd-aidmheil a’ Chreidimh Chaitlicich agus Ostalaich. Aig Cuimhneachadh nam beò. Cuimhnich, a Thighearna, air do sheirbhisich ’s air do bhan-seirbhisich, A. Agus air gach neach ’s an làthair (is eòl dhut an creideamh agus is léir dhut an cràbhadh) air son am bheil sinne, no a tha iad féin, a’ tairgsinn na h-ìobairt-molaidh so dhut air an son féin ’s na bhuineas dhoibh, air son saoradh an an- [TD 48] [Laideann] mannan, air son dòchas an sàbhalaidh agus an téarainnteachd, agus a tha a’ diol am bòidean dhutsa an Dia beò agus fior. Ga’r cur shein an co-chomunn ri, ’s a’ toirt cuimhne gu h-urramach ’s a’ chiad àite air Moire ghlòrmhoir a bha riabh ’na h-Oigh, Màthair ar Dé ’s ar Tighearna Iosa Criosda; agus aír d’ Ostail ’s do Mhartairean beannaichte Peadar agus Pòl, Anndra, Séumas, Eòin, Tòmas, Séumas, Philip, Bartholome, Mata, Simon ’s Thàde, Linus, Cletus, Clement, Sistus, Cornelius, Ciprian, Labhruinn, Chrisogonus, Eòin agus Pòl, Cosmas agus Damian, agus do Naoimh uile; as leth an toillteanais agus an ùrnaighean, deònaich dhuinn a bhi air ar dìon anns [TD 49] [Laideann] gach nì le comhnadh do thiarmainn. Troimh Chrìosda ceudna ar Tighearna. Amen. An uair a tha’n sagart a’ cumail a làmhan os cionn an tobhartais. Air an aobhar sin, guidheamaid ort, a Thighearna, gabhail gu gràsor ri tobhartas so ar seirbhis-ne ’s seirbhis do mhuinntreach uile; agus ar làithean a rian ’nad shìth; agus òrduchadh sinn a bhi air ar teasraiginn o dhìteadh sìorruidh, ’s a bhi air ar n-àireamh an tréud do dhaoine taghte. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Amen. An tobhartas, so, a Dhia, guidheamaid, gu’n deònaicheadh tu a bheannachadh, a choisrigeadh, a dhaingneachadh, a dheanamh spioradail, ’s [TD 50] [Laideann] taitneach anns gach dòigh; los gu’n deanar dheth dhuinne Corp agus Fuil do Mhic uile-ionmhuinn ar Tighearna Iosa Crìosda. An Coisrigeadh. Esan an là mu’n d’ fhuiling e, a ghlac aran ’na làmhan naomh agus urramach, agus a shùilean an togail suas ri néamh, riutsa, a Dhia, Athair uilechumhachdach a’ toirt taing dhut, bheannaich e, bhrist e, ’s thug e d’a dheisciopuil, ag radh: Gabhaibh agus ithibh uile dheth so; OIR IS E SO MO CHORP-SA. Air an dòigh cheudna an déigh na suipreach, a’ glacadh na cailis àghoir so ’na làmhan naomh agus urramach, cuideachd a’ toirt tainge dhutsa, bheannaich e, ’s thug [TD 51] [Laideann] e d’a dheisciopuil, ag ràdh: Gabhaibh agus òlaibh uile dheth: OIR IS E SO CAILIS M’ FHUIL-SE AN TIOMNAIDH NUAIDH AGUS SHIORRUIDH, MISTIRE A’ CHREIDIMH, DHÒIRTEAR AIR UR SON-SE ’S AIR SON MÒRAIN GU MATHANAS PHEACANNAN. Cho tric ’s a ni sibh so, deanaibh e mar chuimhneachan ormsa. An déigh a’ Choisrigidh. Air an aobhar sin, a Thighearna, a’ cuimhneachadh air pàis bheannaichte Chrìosta cheudna do Mhac ar Tighearna, amhuil ’s air a dheasghabhail ghlòrmhoir do néamh, tha sinn, do sheirbhisich ’s maraon do shluagh naomh, a’ tairgsinn do d’ mhòrachd dhiadhaidh, de d’ [TD 52] [Laideann] thìodhlaicean ’s de d’ ghibhtean féin, Iobairt fìorghlain, Iobairt naoimhe, Iobairt gun smal, aran naomh na beatha sìorruidh, agus cailis an t-sàbhalaidh mhaireannaich. An uair a tha’n sagart a’ sgaoileadh a làmhan. Gu’m b’e do thoil sealltainn a nuas orra le gnùis thròcairich agus ghràsoir, agus gabhail riutha mar a dheònaich thu gabhail ri tobhartais do sheirbhisich ionraic Abel, agus ri ìobairt ar n-Athar naoimh Abraham, agus ris an ìobairt a thairg d’ Ard-shagart Melchisedech dhut, ìobairt naomh, tobhartas gun smal. An uair a tha’n sagart ’ga chromadh féin aig miadhon na h-altrach. Guidheamaid gu h-iriseal ort, a Dhia uile- [TD 53] [Laideann] chumhachdaich, gu’n òrduicheadh tu iad so a bhi air an togail suas le làmhan d’aingil naoimh gu d’ altair ’s na h-àrdaibh, air bialaobh do Mhòrachd diadhaidh, los a lian dinn’s a ghabhas Corp agus Fuil uilenaomh do Mhic an comanachadh so na h-altrach, a bhi air ar lìonadh le uile bheannachdan agus ghràsan fhlathanais. Troimh Chriosda ceudna ar Tighearna. Amen. Aig Cuimhneachadh nam marbh-chreideach. Cuimhnich cuideachd, a Thighearna, air do sheirbhisich agus air do bhanseirbhisich, A.* a dh’ imich romhainn an comharradh a’ chreidimh, agus a tha ’nan * Ainmich riut féin an fheadhainn a bu mhath leat guidhe air an son. [TD 54] [Laideann] cadal an suain na sìthe. Dhoibh so, a Thighearna, ’s do gach anam a tha’n tàmh an Crìosda, guidheamaid gu’n deònaicheadh tu ionad faothachaidh, soillse, agus sìthe. Troimh Chrìosda ceudna ar Tighearna. Amen. Agus dhuinne na peacaich, do sheirbhisich, a tha ’cur ar dòchais an lìonmhoiread do thròcaire, deònaich gné chuibhrionn agus co-chomunn maille ri d’ Ostail ’s ri d’ Mhartairean naomh: Eòin, Stephen, Matias, Barnabas, Ignàtius, Alasdair, Marcellinus, Peadar, Felicitas, Perpetua, Agatha, Liùsaidh, Agnes, Cilis, Anastasia, agus do Naoimh uile: guidheamaid ort, cha’n ann mar fhear-meas toilltean- [TD 55] [Laideann] ais, ach mar thobhartair fial mathanais, ar leigeil a staigh ’nan comunn. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Troimh am bheil thu, a Thighearna, daonnan a’ cruthachadh, a’ naomhachadh, a’ beothachadh, a’ beannachadh, agus a’ buileachadh oirnn gach ni màth dhiubh so. Troimhe-san, agus maille ris-san, agus annsan, tha dhutsa, a Dhia an t-Athair uile-chumhachdach, an aonachd an Spioraid Naoimh, gach onair agus glòir. S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. Aig a’ Phaidir. Guidheamaid. Air ar teagasg le reachdan slàinteil, ’s air ar seòladh le òrduchadh diadhaidh, [TD 56] [Laideann] gabhaidh sinn a dhànadas a ràdh: Ar n-Athair, a tha air néamh, gu’m bu naomh a bhitheas d’ ainm, gu’n tigeadh do rìgheachd, gu’n deanar do thoil air talamh mar a thathas ’ga deanamh air néamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran làthail: math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinne do luchd-ar-fiach. Agus na leig am buaireadh sinn. C. Ach saor sinn o’n olc. Amen. Saor sinn, guidheamaid ort, a Thighearna, bho gach olc a bhà, a tha, ’s a bhitheas: agus as leth eadarghuidhe Moire beannaichte ’s glòrmhoir, Màthair Dhé, a bha riabh ’na h-Oigh; agus d’ Ostal beannaichte Peadar agus Pòl,agus Anndra, [TD 57] [Laideann] agus nan Naomh uile, gu tròcaireach deònaich sìth dhuinn ré ar làithean; los le còmhnadh do thròcaire gu’m bi sinn daonnan saor o’n pheacadh, agus téarainte bho gach iomaguin. Troimh Iosa Crìosda ceudna do Mhac ar Tighearna, Dia, a tha maille riutsa, beò ’s a’ rian, an aonachd an Spioraid Naoimh. S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. S. Sìth an Tighearna gu’n robh daonnan maille ribh. C. Agus ri d’ spìorad-sa. Measgadh agus coisrigeadh so Corp agus Fuil ar Tighearna Iosa Crìosda gu’n robh gu beatha shìorruidh dhuinne a tha ’ga ghabhail. Amen. [TD 58] AIG AN AGNUS DEI [Laideann] ’Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail dean tròcair oirnn. ’Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail dean tròcair oirnn. ’Uain Dhé a tha toirt air falbh peacannan an t-saoghail, thoir sìth dhuinn. A Thighearna Iosa, Crìosda a thuirt ri d’ Ostail, Sìth tha mi’ fàgail agaibh, mo shìth tha mi ’toirt dhuibh, na seall air mo pheacannan, ach air creideamh d’Eaglais; agus deònaich dhi an t-sìth agus an aonachd a tha taitneach do d’ thoil: a Dhia a tha beò ’s a’ rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. A Thighearna Iosa Chrìosda, a Mhic an Dé bheò, a thug le d’ bhàs, a réir toil d’ [TD 59] [Laideann] Athar, maille ri co-oibreachadh an Spioraid Naoimh, beatha do’n t-shaoghal, saor mise le d’ Chorp agus le d’Fhuil ro naomh so, bho m’ uile pheacannan, ’s o’n a h-uile truaighe; thoir orm daonnan gu’n dlùth-lean mi ri d’fhàintean: agus na leig leam a chaoidh a bhi air mo sgaradh bhuatsa: a Dhia a tha, maille ri Dia ceudna an t-Athair agus an Spiorad Naomh, beò ’s a’ rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. Na tionndadh do Chorp, a Thighearna Iosa Chrìosda, a tha mise, ge mì-iomchuidh, a’ gabhail a dhànadas a ghlacail, gu breitheanas is dìteadh dhomh; ach biodh e as leth do thròcaire, ’na dhìon agus ’na leigheas domh, air m’ anam ’s air mo cho- [TD 60] [Laideann] luinn: Thusa, a Dhia, a tha maille ri Dia, an t-Athair an aonachd an Spioraid Naoimh beò ’s a’ rian, fad shaoghal nan saoghal. Amen. An uair a tha’n sagart a’ glacail na Sàcramaid ’na làimh. Glacaidh mi aran nam flaitheas agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. AIG DOMINE NON SUM DIGNUS A Thighearna, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu staigh fo m’ fhàrdaich; ach abair am focal a mhàin agus bithidh m’ anam sàbhailte. A Thighearna, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu staigh fo m’ fhàrdaich; ach abair am focal a mhàin agus bithidh m’ anam sàbhailte. [TD 61] [Laideann] A Thighearna, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu staigh fo m’ fhàrdaich; ach abair am focal a mhàin agus bithidh m’ anam sabhailte. A’ gabhail na Sàcramaid fo riochd an arain, their an sagart. Gu’n gléidh Corp ar Tighearna Iosa Crìosda m’ anam gu beatha shìorruidh. Amen. Ciod a dhìolas mi do’n Tighearna air son gach ni a bhuilich e orm? Glacaidh mi Callis an t-sàbhalaidh, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. A’ moladh gairmidh mi air an Tighearna, agus sàbhailear mi bho’m nàimhdean. A’ gabhail na Cailise, their e: Gu’n gléidh Fuil ar Tighearna Iosa Crìosda [TD 62] [Laideann] m’ anam gu beatha shìorruidh. Amen. Aig Riarachadh na Sàcramaid. S. Gu’n deanadh an Dia uile-chumhachdach tròcair oirbh, gu’m mathadh e dhuibh bhur peacannan, agus gu’n tugadh e sìbh gu beatha shìorruidh. C. Amen. S. Gu’n tugadh an Tighearna uile-chumhachdach agus tròcaireach mathanas, fuasgladh, agus saorsa dhuibh ’nar peacannan. C. Amen. Seall Uan Dhé, seall esan a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail. A Thighearna, cha’n fhiach mise, &c. (trì uairean). Gu’n gléidh Corp ar Tighearna Iosa [TD 63] [Laideann] Crìosda d’ anam gu beatha shìorruith. Amen. Aig Ionnlad na cailise. Sin a ghabh sinn, a Thighearna, le ’r bial, deònaìch gu’n glacsinn e le cridhe glan; agus o ’bhi ’na thiodhlaic aimsireil, gu’m bi e dhuinn ’na iocshlaint shìorruidh. Aig Dara-Ionnlad na cailise. Do Chorp a ghabh mi agus d’Fhuil a dh’ òl mi, a Thighearna, leanadh ri m’innibh; agus deònaich nach fuirich smal peacaidh air m’anam-sa, a bheathaicheadh le sàcrameidean cho glan agus cho naomh. A tha beò ’s a’ rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. [TD 64] AN COMMUNIO [Laideann] Tha sinn a’ beannachadh Dia néimh, agus bheir sinn moladh dha an làthair nan uile bheò: oir rinn e tròcair oirnn. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. Guidheamaid. A Thighearna, ar Dia, deònaich gu’n tig gabhail na sàcramaid so agus aidmheil na Trianaide naoimhe, sìorruidh, ’s a h-aonachd neo-dhealaichte, gu ’bhi dhuinne gu sàbhaladh cuirp agus anma. Troimh Iosa Crìosda, do Mhac ar Tighearna, Dia a tha beò ’s a rian maille riutsa an aonachd an Spioraid Naoimh: S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. [TD 65] [Laideann] S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. S. Sgaoilibh, tha’n Aifrionn seachad (no Beannaicheamaid an Tighearna). Taing do Dhia. [An Aifrinn air son nam Marbh, theirear.] S. Gu’n robh am fois an sìth. C. Amen. An uair a tha’n sagart ’ga chromadh féin aig miadhon na h-altrach. A Thrianaid naomh, deònaich do umhailteas mo sheirbhise deagh-ghean fhaotainn ort; agus guidheam ort an ìobairt a thairg mi suas, ge mì-iomchuidh, am fianuis do Mhòrachd, a bhi taitneach leat, agus as leth do thròcaire, gu’m bi i ’na maidhon [TD 66] [Laideann] réite dhomh féin, agus dhoibhsan a thairg mi suas i air an son. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Amen. AM BEANNACHD Beannachd Dhé uile-chumhachdaich—an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad Naomh, gu’n robh agaibh. C. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. AN SIOSGEUL DEIREANNACH S. Toiseach an t-Soisgeil naoimh a réir Eòin. C. Glòir dhutsa, a Thighearna. ’San toiseach bha am Focal, ’s bha am Focal maille ri Dia, agus b’ e am Focal [TD 67] [Laideann] Dia. Bha e so ’san toiseach maille ri Dia. Rinneadh a h-uile ni leis: ’s gun e cha d’ rinneadh ni a chaidh a dheanamh. Annsan bha a bheatha, ’s b’i a bheatha solus dhaoine agus tha an solus a’ soillseachadh ’san dorchadas, ’s cha do ghabh an dorchadas ris. Chuireadh duine bho Dhia, d’am b’ainm Eòin. Thàinig e so mar fhianuis gu teisteanas a thoirt air an t-solus, chum gu’n creideadh daoine uile troimh-san. Cha b’ e esan an solus, ach bha e gu teisteanas a thoirt air an t-solus. B’ e sin an solus firinneach a tha soilleireachadh a h-uile duine a tha ’tighinn dh’ionnsaidh an t-saoghail so. Bha e anns an t-saoghal, ’s rinneadh [TD 68] [Laideann] an saoghal leis, ’s cha b’aithne do’n t-saoghal e. Thainig e gu chuid féin ’s cha do ghabh a muinntir féin ris. Ach a’ mhiad ’s a ghabh ris, thug e cumhachd dhoibh a bhith ’nan cloinn do Dhia, dhoibhse a tha creidsinn ’na ainm, a rugadh cha’n ann o fhuil, no bho thoil na feòla, no bho thoil duine, ach o Dhia. Us* GHABH AM FOCAL FEÒIL, agus rinn e comhnuidh ’nar measg: us chunnaic sinn a ghloir, mar ghloir aonghin an Athar, lan ghràs agus firinn. C. Taing do Dhia. URNAIGH AN DÉIGH NA H-AIFRINNE Am Beannachadh Moire tri uairean. Fàilte dhut a Bhan-rìgh, &c. * Aig na briathran so lùb air do leth-ghlun. [TD 69] R. Guidh air ar son a Mhàthair naomh Dhé. F. Los gu’n toill sinn gealladh Chrìosda. Deanamaid Urnaigh. A Dhia, ar dion agus ar neart, seall le bàigh air an t-slùagh a tha ’cur suas an achanaich riut; agus le eadarghuidhe na h-Oigh Ghlòrmhor gun smal, Moire, Màthair Dhé, agus a Céile beannaichte Ioseph agus nan Ostal beannaichte Peadar agus Pòl, agus nan Naomh uile, ’éisd gu tròcaireach agus gu gràsor ris na h-urnaighean a tha sinn a’ cur a suas air son ath-thilleadh nam peacach agus air son saorsinn agus àrdachadh ar Màthair naomh, an Eaglais. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Amen. A naoimh Mhicheil, Ardaingeal, dion sinn ’s a chàth; bi na d’chùl-taice dhuinn an aghaidh eucoir agus innleachdan àn aibhistir. “Gu’n smachdaicheadh Dia e,” tha sinn gu h-iriosal ag achanaich; agus thusa, ’Cheannard air Feachd Fhlàthanais, leis a neart a tha agad o Dhia, tilg sios do [TD 70] dh’ifrinn Satan, agus gach spiorad eucorach eile a tha ’siùbhal an t-saoghail gu sgrios anmannan. Amen. FAOISID RANNSACHADH COGAIS Urnaigh roimh rannsachadh cogais. O MO Dhia, a tha fianaiseach air smaointeann dìomhair mo chridhe, tha fios agad gur h-ann gu leasachadh do ghlòire, agus sàbhaladh m’anma a tha mi ’tighinn a dh’aideach mo pheacannan. Tha mi an geall air m’anam a ghlanadh bho smal a’ pheacaidh le Sàcramaid naoimh na Faoisid, a dh’ òrdaich thu gu leas m’ anma. O mo Dhia, thoir dhomh còmhnadh do ghràs gus an dleasnas cudthromach so a chur an gnìomh, an seòl ’s gu’m faigh mi mathanas am pheacannan. O mo Dhia, tha mi ’faicinn gu soilleir gu’n d’rinn mi iomadh éucoir ad aghaidh, a thoill do chorruich agus do dhiùghaltas; [TD 71] agus mur fhaigh mi mathanas annta, gu’n téid mo thilgeadh à d’fhianais a chaoidh. Tha mi a nis ro dheònach air staid m’anma ma tà a rannsachadh, agus mo pheacannan fhaighinn a mach leis an tric a thog mi d’fhearg. Ach, O mo Dhia, cha dean mi ach mi féin a mhealladh mur fhaigh mi soilleireachadh do ghràs. Air an aobhar sin cuir thusa an cuimhne dhomh gach peacadh agus éucoir anns am bheil mi ciontach; chionn is math a tha fhios agam nach ’eil ni am falach no ’n dubhar ort. Ach tha mise fo dhuibhre agus fo cheò a’ pheachaidh. Tha mi air mo chuairteachadh le aineòlas, tha m’ana-miannan ’gam dhalladh, agus m’ àrdan a’ cur sgleò air gach éucoir; agus ged is léir dhomh cuid de m’ lochdan, tha roinn mhòr de m’ pheacannan am falach air sùilean m’ anma. Ach, O mo Dhia, thoir thusa iad sin am follais dhomh; déarrsadh solus do ghràs air m’anam, los gu’m faic mi gu soilleir gach éucoir a rinn mi, agus gach gnìomh is fàillinn a tha fuaighte rium; agus na biodh dad air bith am falach orm [TD 72] a dh’fhaodas a bhi ’na aobhar dìtidh dhomh. O Spioraid Naoimh, sgap thusa an ceò a tha ’gam chur iomrall; fiach dhomh mo neo-nitheachd, mo shuaraiche, mo bhochdainn, agus gràinealachd mo pheacannan, chum gu’m faigh mi eòlas orm féin agus ortsa, mo Dhia; agus gu’n till mi riut le cridhe aithreachail agus brònach, leis an toill mi fathamas agus tròcair a bheir mathanas dhomh am pheacannan. O mo Dhia, leis nach àill bàs a’ pheacaich, ach gu’m bi e beò, dean réite rium air an là an diugh. Thoir misneach dhomh, dean mo neartachadh, mo chuideachadh, agus mo chòmhnadh. Thoir uam spiorad an àrdain, los gu’n aidich mi mo pheacannan gu saor agus gu soilleir, le cridhe iriseil agus brùite. O mo Dhia, thoir rùn làidir dhomh am peacadh agus ceann-aobhair a’ pheacaidh a sheachnadh à so suas, air sgàth do Mhic Iosa Crìosda. Amen. An sin, cuir an céill riut féin do pheacannan uile. [TD 73] URNAIGH ROIMH EISDEACHD Urnaigh air son aithreachais. O Thighearna, is aobhar mulaid is bròin dhomh an sealladh a thug thu dhomh air mo pheacannan. Tha iad trom, lìonmhor, gràineil. Och, is iomadh dòigh air na thoill mi d’ fhearg, agus do chorruich! Tha fhios agam gu’n éirich iad suas gus mo dhìteadh aig uair mo bhàis, mur glan mi bhuam iad an dràsda le fior aithreachas. Ach, O mo Dhia, ’s ann o d’ làimh fhialaidh, thobhairtich-sa a tha dùil agam ris na gràsan sin fhaotainn. Mur gluais thusa mo chridhe le fior bhròn air son mo chiontan, bithidh mo shaothair-sa diamhain, agus bithidh mi truagh gu bràth. Och, chuir mi suarach do mhathas! Rinn mi dì-chuimhne air do chaoimhneas, mhì-bhuilich mi do ghràsan, agus bha mi neo-thaingeil air son gach tròcair a rinn thu orm! Is iomadh anam a tha an diugh a’ losgadh an lasraichean iutharna air son na’s lugha pheacannan na a rinn mise. Ach gabh [TD 74] truas rium. Is mòr d’ fhathamas rium an uair a thug thu rathad dhomh gu tilleadh riut, agus mo shìth a dheanamh suas riut. So an rud a tha ’toirt misnich dhomh. O mo Dhia, beannaichte gu’n robh d’ ainm gu bràth. O mo Dhia, na agair orm peacannan nan làithean a chaidh seachad. Thoir làn-mhathanas dhomh annta, le fìor-aithreachas a thoirt dhomh; air chor ’s gu’m bi mi aon uair eile air mo chùnntadh am measg do sheirbhiseach. Thusa, O Dhia, a chruthaich an saoghal le focal do chumhachd, cruthaich cridhe glan am chom. O Thighearna Iosa, seall orm le bàigh. Lìon m’ anam le bròn spioradail, agus le fuath is gràin air mo pheacannan. A so suas, le còmhnadh do ghràs, bheir mi gaol dhut os cionn gach nì; bithidh mi dìan, dìleas, ann ad sheirbhis. Bithidh aoibhneas am flathanas air son aon pheacach a ni peanas. O Athair na tròcaire, deònaich gu’m bi m’aithreachas cho trom agus cho fìrinneach, ’s gu’n toir e sòlas do chùirt fhlathanais. Air cridhe brùite, a Thighearna, cha dean thu tàire. [TD 75] O Thighearna, dean tròcair orm, a thaobh ’s gur peacach truagh mi. Air sgàth bàs dòruinneach mo Shlànair Iosa Crìosda, dean tròcair orm. Urnaigh a dh’ fhaodar a ràdh gu tric roimh éisdeachd. ’Iosa, thoir mo pheacannan gu m’ chuimhne. ’Iosa, thoir dhomh gràsan an aithreachais. ’Iosa, thoir dhomh gràsan na h-irisleachd gu mi féin a dhìteadh aig cathair na Faoisid, los nach téid mo dhìteadh aig cathair a’ bhreitheanais. ’Iosa, thoir neart is misneach dhomh, an dòigh ’s nach toir an t-àrdan orm peacadh sa bith a chleith. Is fhasa dhomh dol fo nàire car tamuill bhig, na m’ anam a chur an cunnart dol gu dòruinn shìorruidh. ’Iosa, tha mi ’cur romham, le còmhnadh do ghràs, mo pheacannan aideach cho saor, agus cho soìlleir, ’s ge b’ i so uair mo bhàis. ’Iosa, gabh truas rium. ’Iosa, dean tròcair orm. [TD 76] Is aobhar nàire agus bròin am peacadh; ach is aobhar aighir is sòlais do dh’ ainglean Dhé, gu’m biodh e air a nigheadh air falbh an tobar na Faoisid. O m’anam, biodh aoibhneas ort; tha Dia toileach air réite a dheanamh riut: glac a làmh thròcaireach, tha i sìnnte a mach gu réite a dheanamh suas riut: na diùlt a mhathas. O mo Dhia, air sgàth Chrìosda, thoir dhomh fìor aithreachas air son mo pheacannan, agus thoir air ais dhomh mo chòir air flathanas; agus na leig m’ anam gu bàs sìorruidh. URNAIGH AN DÉIGH NA H-EISDEACHD A Dhia na tròcaire, tha mi ’toirt molaidh dhut, agus cliù, air son gu’n d’ thug thu dhiom eallach throm mo pheacannan. Le cridhe iriseal gun cheilg, dh’ aidich mi do m’ Athair-faoisid a h-uile peacadh air am b’urrainn dhomh cuimhneachadh. Deònaich gu’m bi an fhaoisid so taitneach ad shùilean. Thoir làn mhathanas dhomh anns gach peacadh a chuimhnich, agus nach do chuimhnich mi aideach. O Thighearna, thugas dhomh a bhi na’s [TD 77] cùramaiche, agus na’s dìchiollaiche à so suas, ann ad sheirbhis; agus cùl a chur ris gach leannan-peacaidh a tha fuaighte rium, agus mi a nis a’ toirt fuath agus gràin mo chridhe dhoibh. Le d’ chòmhnadh, O Thighearna, cha dean mi peacadh tuille, a thoilleas d’ fhearg, fhad ’s is beò mi. O Shlànair, neartaich mi an aghaidh nam buairidhnean a’s mutha a tha ’cur a dhiachainn orm. (Ainmich an so riut féin iad.) Thugas dhomh a h-uile cunnart agus ceann-aobhair peacaidh a sheachnadh gu cùramach à so suas. O mo Dhia, seall, tha gach fàillinn is coirbte a thainig a nuas orm bho Adhamh air an tromachadh agus air an daingneachadh le m’ dhroch dheanadas féin. Ach a nis le còmhnadh do ghràs, tha mi ’cur romham nach bi mi ciontach am feasd am peacadh-bàis. Ni mi dìchioll air gach gìomh agus fàillinn a tha annam a leigheas, agus gach nì a dheanamh gu barrachd glòire dhutsa. O Iosa, beannaich mo thoil mhath agus mo dhùrachd. O mo Dhia thugas dhomh mo chogais a rannsachadh gu mean agus gu dìchiollach [TD 78] a h-uile oidhche; agus toiseach mo ghníomhannan a thoirt dhutsa a h-uile maduinn, air chor’s gu’m bi ’chuid eile de ’n latha air a bhuileachadh gu d’ ghlòir. O mo Dhia, thugas dhomh mo bhreitheanas-aithrich a chuimhneachadh, agus a chur an gnìomh le spiorad na h-ùmhlachd agus an aithreachais. Thugas dhomh a h-uile làtha a bhi ’gabhail am barrachd saothrach orm féin, gu fàs na’s diadhaidh agus na’s fhèarr; air chor ’s gu’n ruig mi mar sin air làn mhathanas am pheacannan, air coimhlionachd caithimh-bheatha, agus air duais shìorruidh anns an ath shaoghal. Troimh Iosa Crìosda ar Tighearna. Amen. GEALLADH NH. FRANSI Is e comhairle Naomh Fransi à Sàles do neach a ni éisdeachd, gu’n tugadh e an gealladh làidir so do Dhia a bhi dìleas dha tuille:— Air mo ghlùn am fianais an Dé shìorruidh, agus uile chùirt fhlathanais, tha mise a’ faicinn a’ mhiad ’s a dh’ fhiach thu, ’Athair na h-iochd, de thròcair dhomh, [TD 79] créutair bochd gun diù, ’gam chruthachadh à neoni, ’gam ghleidheadh, ’gam àrach, ’gam thairneadh bho iomadh cunnart, agus a’ buileachadh a’ cho liuthad tìodhlaic orm: ach gu sònraichte tha mi ’faicinn cho iochdmhor, ’s cho bàigheal ’s a chuir thu, ’Dhia ghràsail, suas ri m’ pheacannan; gu tric ag iarraidh orm tilleadh, agus deagh-bhéusan a leanail; agus gus an làtha an diugh a’ feitheamh, gu ro fhaidhidnneach, ri m’ aithreachas, agus ri m’ thionndadh bho gach éucoir a rinn mi ort, agus o m’ mhì-thaingealachd am mhì-dhleasnachd, agus am mhì-dhligheachd, leis an robh mi ’cur dàile anns an aithreachas, agus a’ deanamh neo-phris de d’ ghràsan. Tha mi ’faicinn mar an ceudna, ged a chaidh mo naomhachadh, agus mo chomharrachadh a mach do Dhia mar urrachloinne aig tobar a’ bhaistidh, gu ’n do bhrist mi air na bòidean sin le ’bhi gu nàr, agus gu maslach, a’ milleadh agus a’ truailleadh buaidhean m’ anma, agus céudan mo choluinne, le peacachadh an aghaidh mo Dhé phrìseil: ach tha mi nis a’ tilleadh rium féin, agus a’ tuiteam, [TD 80] le cridhe iriosal, brùite, air bialaobh cathair cheartais mo Dhé; tha mi a thuilleadh air sin, ag aideach, ag innseadh, agus ag aithris gu’n do pheacaich mi gu trom an aghaidh mo Dhé uile-chumhachdaich; agus gu’m bheil mi ciontach am pàis agus am bàs Iosa Chrìosda air a’ chrois, le m’ pheacannan a choisinn dhasan am bàs agus an dòruinn sin, agus a thoill dhomhsa mo thilgeadh air chùl, agus mo dhìteadh gu sìorruidh. Ach a’ tionndadh ri cathair mo Dhé a’s mutha tròcair, le cridhe aithreachail agus goirt air son peacannan mo bheatha uile, tha mi ’sireadh gu h-iriosal mathanais, agus ghràsan, agus tròcaire, à uchd pàis agus bàs Slànair agus Fear-saoraidh m’ anma. Air a’ bhun so mar aon stéidh mo dhòchais, tha mi ’g ùrachadh agus a’ daingneachadh nam bòid a thugadh, as mo leth, aig tobar a’ bhaistidh: cùl a chur ris an deomhan, ris an t-saoghal, agus ris an fheòil: agus ag oillteachadh roimh chaochladh impidh, roimh bhuaireadh an aibhistir, agus roimh chealgair- [TD 81] eachd an t-saoghail, a nis agus a chaoidh. Agus a’ tionndadh ri m’ Dhia a’s mutha iochd agus tròcair, is e m’ aigne, mo mhiann, agus mo dhùrachd à so suas, a sheirbhis a dheanamh, agus gaol nach dìobair a bhos no thall, a thoirt dha. Agus anns a’ bheachd sin tha mi ’toirt seachad dha mo spioraid le ’uile bhuaidhean, m’ anma le ’uile chumhachdan, mo chridhe le ’uile rùintean, mo choluinne le céudan, air fad, a’ gealltainn nach millear ball dhiom tuille le olc a dheanamh, an aghaidh toil an Dé mhòir, d’am bheil mi ’gam thoirt féin seachad o m’ chridhe; agus a’ gealltainn a bhi dleasnach, ùmhal, dìleas dha, gun tarrainn air m’ ais, gun mhùthadh beachd, gun chaochladh ìnntinn. Ach, mo thruaighe! ma bheir buaireadh an nàmhaid, no laigse mo nàduir, orm géilleadh do pheacadh air bith a bhios an aghaidh m’ aigne, agus mo dhùrachd an dràsda, tha mi ’gealltainn agus a’ cur romham, le còmhnadh an Spioraid Naoimh, gu’n grad éirich mi, cho luath [TD 82] agus a mhuthaicheas mi mo choire; agus gu’n till mi as ùr gu cathair na tròcaire, gun mhoille, gun dàil air bith. Is e so mo thoil, mo bheachd, agus mo dhùrachd, a tha mi a’ ceangal, agus a’ daingneachadh, gun saobhadh, gun atharrachadh, an làthair Dhé, agus am fianais na h-Eaglais uile, a tha an glòir air néamh, agus an cath air talamh; a tha ’na màthair dhomh, agus a’ cluinntinn mo gheallaidh, am pearsa a fir-mhuinntir, ris an d’ rinn mi m’ aideach. Gu’m b’e do thoil, O Dhia shìorruidh nan uile ghràs, ’Athair, a Mhic, agus a Spioraid Naoimh, am beachd so a dhaingneachadh annam, agus a ghabhail mar ìobart chùbhraidh mo chridhe. Agus o’n a thug thu an toil dhomh thun a ghnìomha so, deònaich dhomh neart agus càil do ghràs gus a choimhlionadh. O mo Dhia, is tusa mo Dhia-sa, Dia mo chridhe, Dia m’anma, Dia mo spioraid. Is amhuil sin tha mi ’géilleadh agus a’ toirt aoraidh dhut, a nis agus gu sìorruidh. Amen. [TD 83] COMANACHADH GNIOMHANNAN ROIMH CHOMANACHADH Gnìomh Creidimh. THA thusa, a Dhia, a chruthaich nèamh agus talamh a’ dol a thighinn gu m’ ionnsaidh. O nach mi a bhios sona le ’bhi an cuideachda mo Shlànair? Co b’urrainn a’ mhìorailte so a chreidsinn, mur biodh còmhdach soilleir air d’ bhriathran fìrinneach féin. Tha mi ’creidsinn, a Thighearna, gur tusa féin a tha mi ’dol a ghlacail anns an t-Sàcramaid naoimh so. Thusa féin a rugadh le Moire Oigh, agus a dhòirt d’ fhuil phrìseil air a’ chrois gu m’ shàbhaladh. Tha thu ’cur sgàthlainn air do ghlòir, agus a’ falach orm do ghnùise àluinne, fo riochd ùmhlaidh air an altair. Ach gu teann tha mi ’creidsinn gu’m bheil do Choluinn naomh, d’ Fhuil phrìseil, d’Anam glòrmhor, maille ri d’Phearsa dhiadhaidh, anns an t-Sàcramaid bheannaichte so. Is fhada a ghabh e [TD 84] bhuam géilleadh do m’ chéudan-corporra, an aghaidh briathran fìrinneach mo Thighearna agus mo Dhia. Ag no teagamh cha chuir mi am facal uile-chumhachdach mo Dhé. O mo Dhia, le còmhnadh do ghràs, cha toir bàs no beatha orm an fhìrinn so, a theagaisg thu, àicheadh; no a’ phuing so de m’ chreideamh ’s de m’ aidmheil a leigeil dhìom gu bràth. Gnìomh Umhlachd. Co mise, a Dhia a’s mutha glòir agus cumhachd? No cia mar a’s fhiach leat sùil a thoirt orm? Còir sa bith, cha’n eil agam air meas no urram, O mo Thighearna Dia. Is peacach truagh mi; is cnuimheag dhìblidh mi; is suaraiche mi na an neoni féin. Agus cia mar a thig mi an làthair an Tì sin a tha uile-naomh? Cia mar a dh’ icheas mi aran nan aingeal? Am bi mise air mo bheathachadh le lòn diadhaidh? Cha robh, ’s cha bhi mise, a Thighearna, toillteanach air meas cho mòr. Is truagh nach b’ urrainn dhomh mi féin ùmhlachadh air son do ghlòire, cho fada ’s a dh’islich thusa thu féin air mo shonsa [TD 85] anns an t-Sàcramaid naoimh so. O Iosa, a Rìgh nan aingeal, agus a Thighearna air nèamh ’s air talamh, le uile ùmhlachd mo chridhe tha mi ’gam strìochdadh féin ad làthair, agus ag aideach mo neo-nitheachd. Agus cha ghabhainn an dànadas orm féin tighinn gu cuirm cho urramach, mur h-abradh tu féin, “Mur ich sibh feòil Mhic an duine, agus mur òl sibh ’fhuil, cha bhi ’bheatha agaibh unnaibh”; agus, “An neach a dh’ icheas an t-aran so bithidh e beò gu sìorruidh.”—Eoin, vi. 53, 59. A Thighearna, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu staigh fo m’ fhàrdaich, ach abair am focal a mhàin, agus bithidh m’ anam sàbhailte. Gnìomh Aithreachais. O Dhia uile-mhathasaich, agus uile-thròcairich, tha thu a’ tighinn gu m’ ionnsaidh le ionmhas do ghràs, ged is e mo thoillteanas mo thréigsinn leat gu buileach. Le m’ pheacannan, thog mi do chorruich, ach a nis tha mi ’toirt gràin mo chridhe dhoibh; agus le cuideachadh do ghràs tha mi ’cur romhan an seachnadh à [TD 86] so suas. O Athair shìorruidh, a tha làn iochd agus tròcaire, gabh truas rium. Air sgàth fulangas agus bàs mo Shlànair, math dhomh mo pheacannan: oir ged tha mi ’n earbsa ’s an àm a bhi glan le Sàcramaid na Faoisid, an déigh sin, a Thighearna, nigh thusa mi na ’s mutha ’s na’s mutha: dean uidheamaichte air son na cuilme diadhaidh gus am bheil mi ’dol. Cruthaich cridhe glan am chom. Cuir trusgan geal nan gràs air m’ anam, an rathad ’s gu’m bi mi an staid iomchuidh gus mo Shlànair a ghlacail anns an t-Sàcramaid naoimh so. Gnìomh Dòchais. Tha thu ’tighinn a shealltainn orm, a Shlànair bheannaichte. Ciod e bhios a dhìth orm, agus an Tì aig am bheil a h-uile ni ’ga thoirt féin dhomh? Le mòr earbsa ad chumhachd, ad thròcair, agus ad mhathas, tha mi ’gam liubhairt féin dhut. O Thighearna, tha thu ’faicinn m’ uireasbhuidh agus mo bhochdainn, agus co is urrainn mo dheanamh suas ach thu? Tha thu deònach air sin a dheanamh, le [TD 87] ’bhi ’toirt cuiridh dhomh gu cuirm nan gràs. Tha thu ’gealltainn mo chòmhnadh; tha do bhriathran naomh a’ toirt misnich dhomh gu tighinn ad fhianuis. Tha mi ’gam nochdadh féin ad làthair, gu fann, truagh, dall, mar a tha mi, an dòchas, gu’n neartaich, gu’n cobhair, agus gu’n soilleirich thu mi. O mo Dhia, is leatsa mo chridhe: thig a ghabhail còmhnuidh ann. Le éideadh do ghràs, ùraich d’ ìomhaigh féin air m’ anam, agus coisrig dhut féin e. Gnìomh Iarrtais. A Thighearna, nach iongantach an gnòthach gu’n iarradh tusa gu m’ ionnsaidh, gus mo dhluthadh riut féin anns an t-Sàcramaid naoimh so? Is tusa a mhàin a’s àiridh air mo ghaol-sa. ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dean tròcair orm, agus dean sìth rium. Thig, O Thighearna Iosa, a cheannaich gu daor mi, agus tog m’ anam bhàs a’ pheacaidh gu beatha nan gràs. Tha m’ anam, ge fada ’s an t-saoghal so bhuat air fògradh, gu dìon an geall ort. O mo Dhia, mo shòlas, m’ ionmhas, mo shonas, [TD 88] mo bheatha, agus mo Rìgh, aig am bheil gu saoibhir gach ni a tha dh’ uireasbhuidh orm, dean bàigh rium. Ge truagh, peacach, neo-ni theach mi ann ad mhòr thròcair, tha thu ’deònachadh tighinn gu m’ ionnsaidh. Cha’n ’eil ni sa bith air talamh, no air néamh féin a’s urrainn mo chridhe a lìonadh ach thu féin a mhàin. Is tusa an t-àrd léigh a ni mo leigheas. Is tusa mo charaide dìleas nach tréig gu bràth mi. Is tu Rìgh na sìthe, agus a’mhòr chumhachd, a bheir fois is sàmhchair do m’ anam. Is beag a dh’ ionmhas do ghràs a ni sona, saoibhir, sàbhailte mise gu sìorruidh. O Thighearna Iosa, lìon m’ anam le creideamh beò, le dòchas làidir, agus le dian ghràdh. Abair am focal a mhàin, agus bithidh m’ anam sàbhailte. GNIOMHANNAN AN DÉIGH COMANACHAIDH Gnìomh Aoraidh. O Dhia na mòrachd agus nam feart! An uair a’s gann is urrainn na h-Ainglean a’s àirde sealltainn air àilleachd do mhaise; an uair a tha nèamh agus talamh fo chrith [TD 89] ad làthair; an uair a tha na cumhachdan a’s mutha a’ lùbadh le fiamh dhut; cia mar a sheasas mise ad fhianais? Cia mar a labhras mi ri Naomh nan naomh? O Thighearna, is e mo chuid a bhi sàmhach, agus am thosd, bàite ann an ìoghnadh le smaoineachadh air do ghaol mìorailteach, agus air do bhàidh gun tòmhas. O Rìgh nan rìghrean, tha mi ’toirt aoraidh dhut, agus ’gam ùmhlachadh féin gu neo-ni ad fhianais. An coimeas riutsa is lag, fann, gach dùil is cumhachd; is truaighe agus bochdainn gach cothrom saoghalta; solus cruthaichte na gréine féin, is dorchadas ad làthair. Glòir is moladh, buidheachas is onair, aoradh agus cliù, bho’n chruinne gu léir do Mhac sìorruidh an Tì sin a’s àirde, air son gu’m b’fhiù leis air an làtha an diugh a’tighinn a gabhail còmhnuidh am anam. Gnìomh Gaoil. O mo Dhia, tha thusa a nis agam, aig am bheil gach ni. Tha m’ anam sona leat, agus le ionmhas do ghràs. Fhuair mi an Tì air an robh mo mhiann, agus cha leig [TD 90] mi as e, gus an toir mi e gu tuinidh àrd mo Mhàthar. Biodh spéis shalach, fhaoin, thruaillidh, a thug mi do chréutairean talmhaidh, air a fuadach as mo chridhe; agus biodh e air a lìonadh, biodh e air a lasadh suas le d’ ghràdh-sa a mhàin, O mo Shlànair, agus mo Dhia, a tha làn de na h-uile deagh bhuaidh, gun choimeas, gun tòmhas, gun àireamh; tha mo ghaol dhut os cionn gach ni; le m’ uile chridhe, le m’ uile anam, le m’ uile ìnntinn, agus le m’ uile neart, tha mi ’toirt gràidh dhut. O, is fhada ’bha mi gun eòlas ort! O, is fhada ’bha mi gun ghaol thoirt dhut! Ach à so suas, tha mi ’cur romham gach ni a chur suarach ach thusa ad aonar. O Iosa, a thug gaol dhòmhsa bho’n t-sìorrachd, ’se rùn làidir mo chridhe, gu’m biodh uile ghaol m’anma air a choisrigeadh dhut gu bràth. O Iosa, beannaich mo rùn, agus neartaich mo thoil agus m’ aigne. Gnìomh Taingealachd. Dé an taing a bheir mise dhut, O Dhia nan gràs, air son na comaine a chuir thu orm air an làtha an diugh. Cha d’fhogh- [TD 91] ainn leat bàs maslach, doruinneach na croise fhulang air mo shon; le meud do ghaol orm, dheònaich thu a bhàrr air sin tighinn gu m’ ionnsaidh air an làtha an diugh an Sàcramaid naoimh na h-Altarach. O m’anam, thoir taing, agus cliù, agus moladh do’n Tighearna do Dhia, air son a mhathais, a chaoimhneis, agus a thròcaire dhut. Ged a thachair do m’chaitheamh-beatha a bhi mì dhligheach, mì-dhleasnach, agus mì-dhiadhaidh cha bhi mi mì-thaingeil. Gu làtha mo bhàis, bithidh mi taingeal agus cuimhneach air a’ chomaine, agus air na fiachan a chuir thu orm air an là so. Cha’n ann a mhàin ’s a’ bheatha so, ach an rìgheachd do ghlòire, tha mi ’n dòchas, a bhios mi dìoladh nam fiachan mòra so, le ’bhi seinn’ do chliù-sa bho shaoghal gu saoghal. Gnìomh Achanaich. Tha thu am miadhon mo chridhe, O ’Fhuarain a h-uile sonais! Do chaoimhneas, do mhathas, do ghràsan, dh’fhiach thu gu saor dhomh. O mo Thighearna Dia, tha thusa fialaidh, pairteach, tròcair- [TD 92] each; agus tha mise féumach, uireasbhach, truagh. Is aibheis do ghràsan a tha gun iomall, gun ghrunnd. Is ionmhas iad nach traogh air a’ mheud ’s ge’n toir thu seachd. Maothaich mo chridhe tioram le dealta do ghràs. Cuir deagh cheann-finid air an obair naoimh a thug gu m’ ionnsaidh thu. Gach ni a’s fuathach leat, spion o m’ chridhe, agus gach ni a’s taitneach leat cuir ann. Cuir srian ri an-miannan mo choluinne; naomhaich m’anam. Tha thusa ’làthair anns gach àite agus ionad; na leig dhomh a bhi ciontach am peacadh ad fhianais, le smaointean, le briathran, no le gnìomhannan. Na toilleam gu bràth d’fhearg, O Iosa, agus na siream de shòlas ach a bhi ’deanamh do thoile, agus ag imeachd ad làthair. Gnìomh Tairgse. Air son nan tìodhlaicean lìonmhor agus prìseil a bhuilich thu orm, O Iosa ni cha ’n ’eil thu ’g iarraidh ach mo chridhe, agus mo chridhe gu h-iomlan. Tha mi ’ga thoirt dhut, Thighearna, agus mi féin [TD 93] gu h-iomlan; chionn mar a thug thusa thu féin gu buileach dhòmhsa, cia mar a dhiùltas mise mi féin a thoirt gu buileach dhutsa; gu h-àraid an uair a’s e mo bhuannachd féin a tha ann? As m’éugmhais tha thusa làn shona annad féin, ach as d’éugmhais-sa is créutair bochd truagh mise da rìreamh. Air an aobhar sin, tha mi ’gam cheangal féin ri d’ sheirbhis le m’ uile chridhe gu uair mo bhàis. Tha mi ro dheònach, cuideachd, gun rachadh gach ni eile a fhuair mi bhuat, mar a tha slàinte, neart, càileachdan, cuid, cliù, agus gach tàlann eile, a thionndadh gu barrachd glòire dhut. Mo smaointean, mo bhriathran, mo ghnìomhannan tha mi ’cur fo chùram, agus fo stiùradh do fhreasdail naoimh. Na d’ thoil-sa, O mo Dhia, bithidh m’ uile thlachd, agus m’ uile shòlas. Gnìomh Deagh-bheachd. A Thighearna, is mòr a’ bhàidh a dh’ fhiach thu dhomh, an uair a chum thu bho bhàs obann, agus o sgrios sìorruidh mi, an déis na rinn mi dh’olc a thogail do [TD 94] chorruich gu diùghaltas orm. Gu uair mo bhàis, bithidh mi dubhach, brònach air son do ghaol-sa a chur cho suarach, agus m’ anam féin an cunnart. Ris a h-uile ni a tha ’dol eadar mi agus mo Dhia tha mi nis a’ cur cùil, agus a’ toirt fuath agus gràin mo chridhe dha. Gléidh thusa mi, O Thighearna, bho na h-uile smaoin, focal, agus gnìomh a bhios an aghaidh geimneachd, carranachd agus ùmhlachd. Tha mi ’cur cùil ri aimhreit, ri mì-fhoighidinn, ri mionnan, ri briagan is cùlchainnt, ri dearmad am dhleasnas, ri leisg am sheirbhis, agus ris gach nì eile a ni béud air m’ anam, no ’chuireas fearg ortsa. Cha toir mi spéis do neach, no do ni, a laghdaicheas do ghaol-sa am chridhe. Cha bhi mi dian, dìorrasach na m’ bheachd féin; cha mhutha a ghabhas mi uaill no àrdan as na tìodhlaicean a thug thu dhomh. Tha mi ’cur romham nach lagaich eisimeil ri clann-daoine mo mhisneach ann ad sheirbhis, agus nach bi mi air mo shéideadh suas le pròis no moladh, no air mo mheatachadh le tarcuis. O Tighearna, ma bhios tusa air mo chùl, [TD 95] faodaidh mi ’bhi coma co ’bhios am aghaidh. O Thighearna, b’annsa leam ’s an uair, am bàs fhulang ad fhianais na gu’n tugainn, a chaoidh tuille, masladh dhut leis a’ pheacadh. O Athair na soillse, le d’ bheannachd, thoir càil, buanas, agus soirbheas do’n aigne, agus do’n bheachd so, los gu’n comhlion mi gach ni a tha mi ’gealltainn dhut; agus le sin a dheanamh, gu’n coisinn mi an duais gun chrìch a tha ’feitheamh air do sheirbhisich am flathanas. Troimh Iosa Crìosda ar Tighearna. Amen. LEADAN CRIDHE UILE-NAOMH IOSA A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chrìosda éisd ruinn. A Chrìosda, gu gràsor éisd ruinn. A Dhia Athair nam Flaitheas, Dean tròcair oirnn. A Dhia Mhic ’Fhir-saoraidh an t-saoghail, A Dhia a Spioraid Naoimh, [TD 96] A Thrianaid naomh aon Dia, Dean tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, Mic an Athair Shiorruidh, A Chridhe Iosa, a ghineadh an com Moire Mhàthar leis an Spiorad Naomh, A Chridhe Iosa, aonaichte am pearsa ri Focal Dhé, A Chridhe Iosa na Moralachd gun chrìch, A Chridhe Iosa, a Theampuill Naoimh Dhé, A Chridhe Iosa, Paillinn an Ti a ’s Airde, A Chridhe Iosa, a dhachaidh na Diadhachd ’s a dhoruis flaitheanais, A Chridhe Iosa Fhuirneis laiste na carranachd, A Chridhe Iosa, Ionaid naoimh a cheartais agus a ghràidh, A Chridhe Iosa, làn de mhathas agus de ghràdh, A Chridhe Iosa, a chuain nan uile shubhailcean, A Chridhe Iosa, ro àiridh air a h-uile cliù, [TD 97] A Chridhe Iosa, a Righ ’s Iùil nan cridheachan gu h-iomlan, Dean tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, anns am bheil iùil’ ionmhas a’ ghliocais agus an eòlais, A Chridhe Iosa, anns am bheil uile lànachd na Diadhachd a’ còmhnaidh, A Chridhe Iosa, Deth ’m bheil mòr thlachd aig an Athair, A Chridhe Iosa, De phailteas d’an d’fhuair sinn uile, A Chridhe Iosa, miann nam beannta siorruidh, A Chridhe Iosa, fad-fhulangach agus làn tròcaire, A Chridhe Iosa, saibhir doibhsan a ghlaodhas ort, A Chridhe Iosa, fhuarain na beatha ’s na naomhalachd, A Chridhe Iosa, Iobairt-réite air son ar peacannan, A Chridhe Iosa, a lionadh le tarcuis, A Chridhe Iosa, bruite air son ar peacannan, A Chridhe Iosa, striochdte eadhon chum a bhàis, [TD 98] A Chridhe Iosa, a chaidh a shàthadh le sleagh, Dean tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a thobair na h-uile furtachd, A Chridhe Iosa, ar beatha agus ar n-aiseirigh A Chridhe Iosa, ar sìth agus ar réite ri Dia, A Chridhe Iosa, a dh’iobaireadh air son nam peacach, A Chridhe Iosa, a shabhalaidh na feadhnach a tha ’cur an dòchais annad, A Chridhe Iosa, dòchas na feadhnach a gheibh bàs annad. A Chridhe Iosa, Sòlas nan Naomh Uile, Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dean fathamas ruinn, O Thighearna. Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Gu grasor éisd ruinn, O Thighearna. Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dean tròcair oirnn. V. Iosa, a tha ciùin is iriosal an cridhe. R. Dean ar cridhe-ne a réir do chridhe féin. [TD 99] Deanamaid ùrnaigh. A Dhia shìorruidh, uile-chumhachdaich, seall air cridhe do Mhic ro ionmhuinn. Cuimhnich air a mholadh agus air an iobairt-réite a tha e ’dioladh dhut as leth pheacach. Agus à uchd luach na h-iobairt so, thoir doibhsan a tha ag iarraidh tròcair ort mathanas, an ainm do Mhic cheudna sin Iosa Chrìosda a tha ’m beatha agus a’ riaghladh maille riutsa an aonachd an Spioraid Naoimh, ’na Dhia, bho shaoghal gu saoghal. Amen. CRABHADH DO DH’AINM IOSA* ACHANAICH O IOSA mhaith: O Iosa uile-thròcairich: O Iosa uile-chaoimh! O Iosa ’Mhic na h-Oighe Moire làn tròcair is diadhachd. O Iosa chaoimh, a réir do mhòr thròcair, gabh truas rium. O Iosa uile-thròcairich tha mi ’guidhe ort as leth na fala prìseil * 100 làtha laghaidh uair ’s an làtha. [TD 100] a dheònaich thu a dhortadh air son nam peacach, gu’n glanadh tu mi bho m’uile chiontan, ’s gu’n sealladh tu nuas orm, peacach truagh gun fhiù, gu h-ùmhlaidh ag iarraidh mathanais agus a’ gairm air d’ Ainm Naomh Iosa. O Ainm Iosa, ainm ro chaomh: Ainm Iosa, Ainm ro thaitneach: Ainm Iosa, Ainm ro neartmhor. A chionn ciod e Iosa ach Slànair? Air an aobhar sin O Iosa, air sgàth d’ainme Naoimh, bi ’d Iosa dhòmhsa agus sàbhail mi. Na leig dhomh a bhi air mo dhìteadh,—dhomhsa a chruthaich thu à neo-ni. O Iosa mhaith, na leig le m’ aingeachd an ni sin a rinn thu le d’ mhathas uile-chumhachdach a sgrios. O Iosa mhaith gabh ri d’ chuid féin agus cuir as do gach ni nach buin dhut. O Iosa uile-chaoimhneil, dean tròcair orm fhad’s a tha ùine mathanais a làthair, agus na dìt mi an uair a’ bhreitheannais. Cha toìr na mairbh moladh dhut, a Thighearna Iosa, cha mhutha a bheir iadsan uile a théid sìos do dh’ifrinn. O Iosa uile-ghaolaich: O Iosa uil’ ùidh do shluaigh: O Iosa uile-chiùin: [TD 101] O Iosa, Iosa, Iosa, gabh mise an àireamh do dhaoine taghte. O Iosa, a shàbhalaidh na feadhnach a tha ’creidsinn annad, O Iosa, a cho-fhurtachd na feadhnach a dh’iarras cobhair ort, O Iosa, ’Mhic na h-Oighe Moire, dòirt annam gràsan, gliocas, carranachd, geimneachd, agus irisleachd los gu’m faod mi làn ghaol a thoirt dhut, do mholaidh, do mhealtainn, do sheirbhiseachadh, agus gloir a thoirt dhut maille ris gach aon a tha ’gairm air d’ Ainm Naomh Iosa. Amen. LEADAN IOSA* A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. A Thighearna, dean tròcair oirnn. ’Iosa, éisd ruinn, ’Iosa, gu gràsor éisd ruinn. A Dhia Athair nam Flathas, Dean tròcair oirnn. A Dhia Mhic ’Fhir-shaoraidh an t-saoghail, A Dhia Spioraid Naoimh, * Laghaidh 300 làtha, gach uair a ghabhar e. [TD 102] A Thrìanaid naomh aon Dia, Dean tròcair oirnn. ’Iosa ’Mhic an Dé bheò, ’Iosa, ’Sholuis an Athar, ’Iosa, ’Dhèarrsaidh an t-Soluis shìorruidh, ’Iosa, ’Righ na Glòrach, ’Iosa, ’Ghrian a’ Cheartais, ’Iosa, ’Mhic na h-Oighe Moire, ’Iosa ro ghràdhach, ’Iosa ro mhìorailteach, ’Iosa, ’Dhé chumhachdaich, ’Iosa, ’Athair an t-saoghail a tha ri tighinn, ’Iosa, Aingil na comhairle a’s àirde, ’Iosa, ro chumhachdach, ’Iosa, ro fhaighidneach, ’Iosa, ro ùmhladh, ’Iosa, ’tha ciùin is iriosal an cridhe, ’Iosa, leis an tagh geimneachd, ’Iosa, leis an tagh sinne, ’Iosa, ’Dhé na sìthe, ’Iosa, ’Ughdair na beatha. ’Iosa, ’Sgàthain nan subhailcean, ’Iosa, ro éudmhor mu anmannan, ’Iosa, ar Dia, ’Iosa, ar Dìdeann, [TD 103] ’Iosa, ’Athair nam bochd, Dean tròcair oirnn. ’Iosa, ’Ionmhais nan creideach, ’Iosa, ’Dheagh Bhuachaille, ’Iosa, ’Sholuis fhìrinnich. ’Iosa, ’Ghliocais shìorruidh, ’Iosa, ’Mhathais gun àirimh, ’Iosa, ar Slighe, agus ar Beatha, ’Iosa, ’Sholais nan Aingeal, ’Iosa, ’Righ nan aithrichean naomh, ’Iosa, ’Mhaighstir nan Ostal, ’Iosa, ’Fhir-theagaisg nan Soisgeulach, ’Iosa, ’Spionnaidh nam Mairtirean, ’Iosa, ’Sholuis nan aidmheileach, ’Iosa, ’Gheimneachd nan òighean, ’Iosa, ’Chrùin nan Naomh uile. Bi tròcaireach ruinn. Dean fathamas ruinn, ’Iosa. Bi tròcaireach ruinn. Gu gràsor éisd ruinn, ’Iosa. O’n a h-uile olc, Saor sinn, ’Iosa. O’n a h-uile peacadh, O d’fheirg, O mhealltaireachd an droch spioraid, O Spiorad na neò-ghlaine, O bhàs sìorruidh, O dhearmad air do ghràsan, [TD 104] As leth rùn-dìomhair do dhaonnachd beannaichte, Saor sinn, ’Iosa. As leth do bhreith, As leth do naoidheineachd, As leth do chaithimh-bheatha ro dhiadhaidh, As leth do shaothaire, As leth do spàirne ’s do phàise, As leth do chroise ’s do thréigsinn, As leth d’airsteal, As leth do bhàis agus do thìodhlaicidh, As leth d’aiseirigh, As leth do dheasghabhail, As leth d’aoibhnis, ’As leth do ghlòire, ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dean fathamas ruinn, ’Iosa. ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Gu gràsor éisd ruinn, ’Iosa. Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dean tròcair oirnn, ’Iosa. ’Iosa, éisd ruinn. ’Iosa, gu gràsor éisd ruinn. [TD 105] Deanamaid ùrnaigh. O Thighearna Iosa Chrìosda, a thuirt: Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheabh sibh; buailibh agus fosglar dhuibh, guidheamaid ort, deònaich dhuinne do luchd-achanaich gràsan do ghaoil ro dhiadhaidh, an rathad ’s gu’m bi sinn a’ toirt gaoil dhut le’r n-uile chridhe, le ’r bilibh, ’s le ’r gnìomhannan, agus nach lasaich sinn de thoirt cliù dhut. O Thighearna a thugas duinn a bhi daonnan am fiamh ’s an gaol do d’ainm naomh; oir cha’n ’eil thu uair sa bith a’ toirt do làimh-stiùraidh uapasan a tha thu ’socrachadh air stéidh do ghaoil. Troimh Iosa Criosda ar Tighearna. Amen. LEADAN MOIRE* [Laideann] THA sinn a’ ruith fo, d’ dhìon, a Mhàthair naomh Dhé, na diùlt ar n-iarrtas an àm ar féuma; ach saor sinn daonnan o gach cunn- * 300 làtha laghaidh. [TD 106] [Laideann] art, ’Oigh ghlòrmhor agus bheannaichte. A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chrìosda, éisd ruinn. A Chrìosda, gu gràsor èisd ruinn, A Dhia Athair nam flathas, Dean tròcair oirnn. A Dhia Mhic, Fhir-shaoraidh an t-saoghail, A Dhia Spioraid Naoimh. A Thrionaid Naomh, aon Dhia. A Naoimh Mhoire, Guidh air ar son. A Mhàthair naomh Dhé, ’Oigh naomh nan òighean. A Mhàthair Chrìosda, A Mhàthair nan gràsan diadhaidh, [TD 107] [Laideann] A Mhàthair ro ghlàn, Guidh air ar son. A Mhàthair ro gheimnidh, A Mhàthair gun truailleadh, A Mhàthair gun smal, A Mhàthair ro ghràdhach, A Mhàthair ro iongantach, A Mhàthair na deadh chomhairle, A Mhàthair ar Cruthadair, A Mhàthair ar Slànair, ’Oigh ro ghlic, ’Oigh ro mheasail, ’Oigh ro chliùiteach, ’Oigh ro chumhachdach, ’Oigh ro thròcaireach, ’Oigh ro dhìleas, A Sgàthain a’ cheartais A Rois a’ ghliocais, A Chinn-aobhair ar sòlais, A Shaghaich spioradail, [TD 108] [Laideann] A Shaghaich urramaich, Guidh air ar son. A Shaghaich ro chràbhach, A Ròis dhìomhair, A Thùir Dhàbhaidh, A Thùir ìbhridh, A Ghrianain òir, ’Airc a’ chùmhnant, A Dhoruis fhlathanais, A Réul na maidne, A Shlàinte nan easlainteach, A Dhìdein nam peacach, A Chobhair nan deòiridh, A Thaice nan Crìosdaidhnean, A Bhàn-righ nan Aingeal, A Bhàn-righ nan Aithrichean-naomh. A Bhàn-righ nam Fàidhean, A Bhàn-righ nan Ostal, A Bhàn-righ nam Mairtirean, A Bhàn-righ nan Aidmheileach, [TD 109] [Laideann] A Bhàn-righ nan Oighean, Guidh air ar son. A Bhàn-righ nan Naomh uile, A Bhàn-righ a ghineadh gun pheacadh, A Bhàn-righ na Conair ro naoimh, ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dean fathamas ruinn, O Thighearna. ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Gu gràsor éisd ruinn, O Thighearna. ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dean tròcair oirnn. A Chrìosda, éisd ruinn. A Chriosda, gu gràsor éisd ruinn. Tha sinn a’ ruith fo d’ dhìon, a Mháthair [TD 110] [Laideann] naomh Dhé, na diùlt ar n-iarrtas an ám ar féuma; ach saor sinn daonnan o gach cunnart, ’Oigh ghlòrmhor agus bheannaichte. V. Guidh air ar son, a Mháthair naomh Dhé. R. Los gu’n toill sinn gealladh Chrìosda. Deanamaid ùrnaigh. Dòirt, a Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, do ghràsan ’nar cridheachan, air chor ’s gu’m faod sinne a fhuair fios air daonnachd do Mhic Iosa Crìosda, le teachdaireachd aingil, ruigheachd, as leth a phàise agus a chroise, air glòir ’aiseirigh. Troimh Chrìosda ceudna ar Tighearna. R. Amen. [TD 111] [Laideann] V. Còmhnadh Dhé gu’n robh daonnan maille ruinn. R. Amen. CONAIR MOIRE Laghaidh. i. (1) 100 làtha air son aon rùn-dìomhair féin de’n Chonair a ghabhail. (2) Seachd bliadhna is seachd Carghais air son a ghabhail Didònaich is Làithean-féille, &c. ii. (1) Làn-laghadh a’ chiad là féille an déigh ar gabhail a staigh. (2) Là Nolaig Là na bliadhn’-ùire, Là nan Trì Rìghrean, Là Càsga, Diordaoin Deasghabhail, Diordaoin Corp Chrìosta, Didònaich Caingis, Didònaich na Trianaid uile-naoimh, Féilltean na h-Oighe Moire, Là Pheadair is Phòil, Là Samhna, ’s air an treas Dònach de’n mhìos. ’An ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. V. Fàilte dhut, a Mhoire, tha thu làn de na gràsan, tha an Tighearna maille riut. R. Is beannaichte thu am measg nam [TD 112] mnà, agus is beannaichte toradh do bhronn, IOSA. V. Fosglaidh tusa, a Thighearna, mo bhial. R. Agus bheir mo theanga cliù dhut. V. Dean cobhair orm, O Dhia. R. A Thighearna, greas gu m’ chuideachadh. Glòir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh. Mar a bha, ’s mar a tha, ’s mar a bhitheas fad shaoghal nan saoghal. Amen. A’ Chiad Earrann. Na còig Rùin Eibhinn, ri ghabhail a’ h-uile Diluain ’s Diordaoin; Didònaich ’s an Aidbhen, agus an déigh Là nan Tri Rìghrean gu Carghus. I. Teachdaireachd an Aingil. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n do chuir an t-Aingeal Gabriel fàilt’ air an Oigh bheannaichte leis na briathran so, Tha thu làn de na gràsan: agus gu’n d’ innis e dhi gu’n robh ar [TD 113] Tighearna Iosa Crìosda ’dol a ghabhail coluinn daonna. Ar n-Athair a tha air néamh, &c., aon uair. Fàilte dhut, a Mhoire, &c., deich uairean. Glòir do’n Athair, &c., aon uair. Deanamaid ùrnaigh. A Naoimh Mhoire, a Bhàn-righ nan Oighean, as leth daonnachd do Mhic ionmhuinn ar Tighearna Iosa Crìosda, a thàinig gus ar sàbhaladh, thoir dhuinne, le brìgh d’ achanaich, soilleireachadh ceart air na gràsan mòra sin a thog sinn gus an àrd inbhe ’bhi ’nar bràithrean aig do Mhac diadhaidh, agus thusa ’bhi dhuinn ad Mhàthair. Amen. II. Turus Moire gus a banacharaid Ban-naomh Ealasaid. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n deach an Oigh bheannaichte Moire, ’s i air cluinntinn o’n Aingeal gu’n do ghabh a banacharaid Ban-naomh [TD 114] Ealasaid sliochd, air a h-aghart gu luath gu beanntan Iudea a dh’amharc oirre, agus gu’n d’fhuirich i còmhla rithe trì mìosan. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair bheannaichte, a sgàthain ghlain na h-ùmhlachd, as leth na blàth-charrannachd a thug a choimhead do bhanacharaid Ban-naomh Ealasaid thu, thugas dhuinn le feartan d’ eadarghuidhe, gu’m bi ar cridheachan air an lionadh le gràsan do Mhic naoimh cho pailt ’s gu’m bi sinn air ar glanadh o’n a’ h-uile peacadh, agus gu’n toir sinn cliù agus taing dha fad na sìorrachd. Amen. III. Breith Iosa am Bethlehem. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n d’rug an Oigh bheannaichte Moire ’s an àm fhreagarrach dhi, ar Slànair Iosa Crìosda mu mhaidhon oidhche, agus gu’n do chuir i anns a’ phrasasch e, do bhrìgh ’s nach robh àite dha ’s na taighean. Ar n-Athair, &c. [TD 115] Deanamaid ùrnaigh. O mhathair a’s gloine, as leth d’ aiseid mhaighdeannail gun bhéud, leis an d’ thug thu solus do’n t-saoghal le d’ Mhac, ar Slànair Iosa Crìosda; coisinn dhuinn, tha sinn ag achanaich ort, le feartan d’ eadarghuidhe, na gràsan sin a bheir neart agus treòir dhuinn, gu caitheamh-beatha cho naomh, agus cho diadhaidh a leantuinn air talamh, ’s gu’m bi e ’nar comas a bhi ’seinn a làtha ’s a dh’ oidhche tròcair do Mhic agus a thìodhlaicean. Amen. IV. Iosa air a thairgsinn ’s an Tèampull. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n do thairg an Oigh bheannaichte Moire, air làtha a glanaidh a réir an lagha, an leanabh naomh Iosa anns an tèampull; far an d’ thug Naomh Simeon taing do Dhia gu ro chràbhach, agus a ghabh e air a ghàirdeann e. Ar n-Athair, &c. [TD 116] Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair bheannaichte, a sgàthain agus a bhéus na h-ùmhlachd, a thairg ’s an tèampull Cruthadair an t-saoghail, faigh dhuinne le d’ mhaoidhean air do Mhac gaolach, spionnadh agus càil, mar a bha aig Simeon agus aig a’ bhan-fhàidh Anna, gu cliù agus moladh a thoirt dha gu sìorruidh. Amen. V. Fhuaras Iosa Crìosda ’s an Téampull. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n d’ fhuair an Oigh bheannaichte Moire, an déigh sireadh thrì làtha le bròn, a Mac gaolach, a chaill i gu neochiontach ’s an téampull, am miadhon nan ollamh, a’ réusanachadh riutha, ’na dhà bhliadhna diag a dh’ aois. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. Oigh naomh a’s mutha a dh’ fhuiling na na martirean féin, an déigh sin a tha ad threise ’s ad chomhfhurtachd do thrua- [TD 117] ghain; as a’ mhiad ’s a rinn thu dh’ fhaoilteachas ri d’ Mhac ionmhuinn fhaotainn ’s an tèampull, am measg nan àrd luchd-fhoghluim a’ réusanachadh riutha; faigh dhuinne uaithe na gràsan a bheir oirnn a shireadh, agus a shealbhachadh anns an Eaglais naoimh Chaitlicich, an dòigh ’s nach téid ar sgaradh uaithe a chaoidh. Amen. SALVE REGINA Failte dhut, a Bhàn-righ, Màthair na tròcaire, ar beatha, ar sòlas, ’s ar dòchas, fàilte ort. Riutsa tha sinne, sliochd seachranach Eubha, a’ togail ar guth. Riutsa tha sinn ag osnaich, a’ caoidh ’s ag acain, an gleann so nan diar. Thoir ma tà, ’iuchair nan gràs, sùil fhial oirnne. Agus an déaghaidh dhuinn a’ chéin-thìr so ’fhàgail, fiach dhuinn toradh beannaichte do bhronn, Iosa. O Mhoire Oigh bhàigheil, ghràdhach, chaomh! V. Guidh air ar son, a Mhàthair Naomh Dhé. R. Los gu’n toill sinn gealladh Chriosda. [TD 118] Deanamaid ùrnaigh. O Dhia, a cheannaich còir dhuinn air duais shìorruidh le beatha, bàs is aiseirigh d’ aon Mhic ionmhuinn; thugas dhuinn a tha ’léughadh agus a’ beachdachadh air na rùin dhìomhair a tha ’s an ùrnaigh so, gu’n lean sinn an seòladh, ’s gu’m faigh sinn an gealltanas. Troimh Iosa Crìosda, ar Tighearna. Amen. An Dàra Earrann. Na còig Rùin Dhòruinneach, ri ghabhail a’ h-uile Dimairt’s Di-h-aoine; agus air Didònaich ’s a’ Charghus. I. Urnaigh agus Fallus-fala Chrìosda ’s a’ Ghàradh. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomair so, mar a bha Iosa Crìosda ar Tighearna, fo dhòruinn cho trom an gàradh Ghethsemane, ’s gu’n robh fallus-fala ’fàsgadh roimh ’choluinn naoimh, agus a’ sruthadh gu frasach gu làr. Ar n-Athair, &c. [TD 119] Deanamaid ùrnaigh. Oigh a’s mutha naomhachd, a dh’fhairich dòruinn thar martair ri lìnn do d’ Mhac a bhi ’g ùrnaigh gu cruaidh ’s gu cràiteach anns a’ ghàradh; deònaich dhuinn còmhnadh d’ eadarghuidhe, los gu’n cuir sinn ar n-ana-miannan fo shréin réusain, agus gu’n aontaich ’s gu’n strìochd sinn do thoil Dhé. Amen. II. Sgiùrsadh Iosa aig a’ phosta. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, gu’n deach Iosa Crìosda ar Tighearna a sgiùrsadh gu goirt aig a’ phosta aig taigh Philait, a’ faighinn tuilleadh is còig mìle stràc, a réir ’s mar a chaidh a shoilleireachadh do Bhan-naomh Brìghde. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair Dhé, a Shamhlaidh naoimh na faighidinn, as leth a sgiùrsaidh ghoirt a dheònaich do Mhac gràdhach ’fhulang; faigh dhuinn na gràsan a chuireas casg air [TD 120] mì-rian ar céudan-corporra, agus a ghearras uainn ceann aobhair gach peacaidh. Amen. III. Crùn dreathainn air a chuir air ceann Chrìosda. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, mar a ghabh an slaugh gun iochd, gun bhàidh, an dreathann giar, agus an déis fleasg a dheanamh dheth, spàrr iad e gun athadh air ceann beannaichte Iosa Crìosda ar Tighearna. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair Prionnsa agus Rìgh na glòrach sìorruidh, as leth nan drisean piantail a réub ceann do Mhic ionmhuinn le mìle lot, thugas dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, le feart d’ eadarghuidhe, a bhi saor anns a’ bheatha so bho uaill, agus air làtha ’bhreitheanais nàire a’ pheacaidh. Amen. IV. Iosa a’ giùlan na Croise. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair [TD 121] so gu’n do ghiùlain Iosa Crìosda ar Tighearna a’ chrois, a chuireadh air a ghuaillean créuchdach; agus gu’n d’ iomraich e i, cuideachd, le mòr fhaighidinn, air a’ thruime ’s ’gan robh i, ’s air a’ mhiad ’s ’gan robh a tàire. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair bheannaichte, a shamhlaidh na faighidinn, as leth pian giùlan na croise le d’Mhac gaolach Iosa Crìosda ar Tighearna, agus eallach ’bu truime na sin ar peacannan coisinn le feart d’ùrnaigh misneach agus càil dhuinne gu ’chéumannan a leanailt, agus ar crois iomrachadh gu faighidneach gu deireadh ar làithean. Amen. V. Iosa air a chéusadh. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, nach luaithe a ràinig ar Slànair Iosa Crìosda beinn Chalbhari, na chaidh ’aodach a spìonadh dheth, agus a lamhan ’s a [TD 122] chasan naomh a thàirneachadh gu teann agus gu piantail ri fiodh na croise am fianuis a Mhàthar bhrònaich. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Mhoire naomh, a Mhathair Dhé, gu’m b’ ann mar a bha do Mhac ionmhuinn air a ruighe air a’ chrois air ar son, a bhios gach téud is buaidh annainn air an ruighe gu teann, a’ cur a sheirbhis naoimh air a h-aghart, agus a’ gabhail truais ri ’dhòruinn. Gu’m b’ ann mar sin a bhitheas le d’eadarghuidhe, O Mhàthair naomh, los gu’n coisinn sinn sàbhaladh sìorruidh dhuinn féin. Amen. Salve Regina, ’s e sin, Fàilte dhut, a Bhàn-righ, &c. An Treas Earrann. Na còig Rùin Ghlòrmhor, ri’n cantainn a h-uile Diciaduin ’s Disathurna; agus air Didònaich o Chàisg gus an Aidbhen. I. Aiseirigh Chrìosda. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair [TD 123] so, gu’n d’ éirich ar Tighearna Iosa Crìosda gu cumhachdach ’s gu glòrmhor air an treas làtha o bhàs gu beatha, ’s gu’m bheil e à so suas os cionn gath a’ bhàis, agus gun péine. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O mhoire ghlòrmhor, as leth d’ aighir ’s do shòlais ri linn Aiseirigh ghlòrmhor d’ aon Mhic, coisin dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, nach bi ar cridheachan à so suas ag iarraidh gu toileachadh bréige saoghalta, ach an geall an còmhnuidh air aoibhneas bunailteach, buan fhlathanais. Amen. II. Deasghabhail Iosa Chrìosda. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n deach ar Slànair Iosa Crìosda an ceann dà fhichead là an déigh ’Aiseirigh, suas gu néamh, air a chuairteachadh leis na h-Ainglean, an làthair a Mhàthar naoimh, nan Ostal agus nan deisciobul, a bha ’g amharc air le mòr ioghnadh. Ar n-Athair, &c. [TD 124] Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair Dhé, a chomhfhurtachd nan uireasbhach, gu’m b’ann mar a thog Mac do ghaoil a làmhan, agus a bheannaich e ’Ostail naomha, a thogas tusa do lamhan beannaichte ri d’ Mhac as ar leth, air chor ’s gu’m faigh sin mar aon beannachd a’ Mhic agus na Màthar, gu stàth dhuinn a bhos is thall. Amen. III. Tighinn an Spioraid Naoimh air na h-Ostail. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, gu’n do chuir Iosa Crìosda, an déigh dha suidhe air làimh dheis Dhé, an Spiorad Naomh a nuas air na h-Ostail, mar a gheall e; agus iad ’s an àm maille ri Moire an Ierùsalem ri ùrnaigh ’s ri cràbhadh gu dìan, a’ feitheamh ri tighinn a Spioraid Naoimh an Comhfhurtar. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Mhathair bheannaichte, a théampuill an Spioraid Naoimh, coisinn dhuinne le [TD 125] cumhachd d’ achanaich, gu’m bi sinn air ar stiùradh leis a’ Chomhfhurtair sin, a thug do Mhac gaolach d’a chuid Ostal, agus gu’m bi sin air ar treòrachadh leis air an t-slighe dhìrich do fhlathanas, agus air céumannan gach subhailce agus deagh-ghnìomha. Amen. IV. An Oigh Bheannaichte a’ gabhail seilbh am flathanas. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu’n deach an Oigh ghlòrmhor Moire, an ceann dà bhliadhna diag an déigh Aiseirigh a Mic, suas do fhlathanas as an t-saoghal so le urram mòr agus glòir, air a cuairteachadh le feachdan Ainglean. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. Oigh a’ mhòr-ghliocais, a lìon, a’ dol a staigh do thalla glòrmhor nam flathas, na Naoimh ’s na h-Ainglean le sòlas, agus sinne le dòchas; deònaich seasamh air ar cùl aig uair a’ bhàis, air chor ’s gu’n toir [TD 126] sinn buaidh air innleachdan, ’s buairidh an droch spioraid, agus gu’m bi ar n-aiseag o thìm gu siorrachd làn sonais is aoibhneis gun chrìch. Amen. V. Crùnadh na h-Oighe Moire. Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, gu’n do chuir a Mac cumhachdach, an làthair co-thional aobhach nan Naomh ’s nan Aingeal, crùn na glòrach a b’ àilidh ’s a bu ghile air ceann na h-Oighe beannaichte Moire Mathàir Dhé. Ar n-Athair, &c. Deanamaid ùrnaigh. O Bhan-righ nan uile Naomh, is e ar n-achanaich riut, gu’n gabhadh tu uainn an cràbhadh so, mar fhleasg taitneach ad shùilean; agus thugas dhuinn o bhrìgh d’ achanaich, gu’m bi ar déigh air d’ fhaicinn ad ghlòir, mar theine air a lasadh ’nar cridhe cho dìan, ’s nach gabh e cur as, na dìocladh, gus am fiach e dhuinn do ghlòir am flathanas. Amen. Salve Regina, ’s e sin, Fàilte dhut, a Bhàn-righ, &c. [TD 127] LAOIDHEAN Jesu dulcis memoria. Dh’ fhoghnadh smaointean air d’ ainm Ios’, Gu sòlas dìan a ghin’ am chré; Cuilm ’bu taitniche na’m fìon, M’ inntinn ’ga lìonadh le d’ spéis. Cha taisbein binneas théudan ciùil, Cha nochd seanchas no tùr sluaigh, Cho luachor ’s a tha ’n t-ainm ud dhuinn, ’S ainglean le ùmhlachd ’ga luaidh. Gach nì ’tha ’m flathanas Dé, Air talamh no fo’n talamh shìos, Lùbaidh an glùn gu lèir, ’N uair chluinneas iad ainm éuchdach Ios’. Ios’ an t-ainm os cionn gach ainm’, Beatha m’ anma, ’s mo léigh; Ged is tric a thoill mi d’ fhearg, Bithidh mi ’leanmhuinn air do dhéigh. [TD 128] N’ uair a dh’ iarras an saoghal ’s an fheòil, Ormsa dòibheart ’chur an gnìomh, Dìridh mo spiorad mar a’s còir, Gu righ na tròcaire gu ’dhion. Air sgiathan creidimh agus gràidh, Teichidh mi gu gàradh mo mhiann, Far an d’fhuiling Crìosd’ a phàis, Is fallus ’ga fhàsgadh roimh ’bhian. ’S a’ ghàradh choisinn sinn am bàs. Pheacaich Adhamh, dh’ ich e ’m meas: ’S a’ ghàradh, dh’ ùmhlaich Rìgh nan gràs E-féin, gu’r sàbhaladh bho sgrios. Bhrùchd cùirneana falluis mar dheòir, Troimh chorp glòrmhor le fìor phéin; Bu trom mo pheacannan gu’n toirt Air Uan neo-chiontach mo Dhé. Bhuaileadh Cìbear nan caoin bhéus, Sgapadh a thréud ’s a luchd-dàimh; Chaidh Crìosd’ a bhrath le Ostal féin, Chuir pòg an éucoraich e ’n làimh. [TD 129] Guileamaid mu d’ dhìols’, a Chrìosd’, Ad bhall-bùirt am measg do nàmh, O ’s iad ar peacannan a sgiùrs, ’S a spàrr le cràdh an crùn mu d’ cheann. ’Choluinn, ùmhlaich sìos thu féin, Aig bun a chroinn-chéusd’ a dh’ Ios’, ’S na cuir tuilleadh e gu péin, Ag ùrachadh a chréuchd’ le d’ ghnìomh. M’ anam, ùmhlaich sìos do d’ Dhia, Las mar theine dìan do ghaol; Smaoinich na dh’fhuiling do Thriath, Dh’ ionnsaidh d’ fhiachan a bhi saor. Thug e ’ghoimh dhuinn as a’ bhàs, Rinn e pàras fìor de’n uaigh; ’Nuair ’rinn e aiseirigh nan gràs, Choisinn air gach nàmhaid buaidh. Cliù do’n Athair, ’s cliù do’n Mhac, ’S cliù do’n Spiorad neartmhor naomh; Trianaid chumhachdach nam feart, Molamaid mu seach ’s mar aon. [TD 130] VENI CREATOR SPIRITUS O thig a nuas, a Spioraid Naoimh, A shealltainn anmannan do ghaoil, Is lìon ar crìdh’ le d’ ghràsan caomh, A Chruthadair a’ chinne-dhaonn’. ’S tu ar Comh-fhurtair ’s gach càs, ’S tu gibht ro naomh an Dé a’s àird’, ’S tu ’m fuaran beò, an teine, ’n gràdh, Is ùngaid spioradail an àigh. Tha do thìodhlaicean seachd-fìllt, Miar deas-làmh Dhé thu ’thriath gach ni, ’S tu gealladh ’n Athar naoimh le cìnnt’, Uatsa thig deas-labhairt cìnn. O las le d’ sholus ar céud-fàith, Is taom a nuas ’nar crìdh’ do ghràdh, Cùm ri ’r nàdur lag do làmh, Is thoir dhuinn neart, is feart, is càil. Ur nàimhdean fuadaich fada bhuainn, Is builich oirnn do shìth gu buan, Bi ad iùl dhuinn fad ar cuairt, ’S gu’n seachainn sinn gach béud is truaigh’. [TD 131] Deònaich dhuinne eòlas fìor Air an Athair is air Crìosd’, ’S annad ’féin ’tha uap’ ad Dhia, Creideamaid a nis ’s gu sìor. Glòir gu’n robh gu sìor gun tàmh, Do’n Athair, is do Mhac a ghràidh, A rinn an aiseirigh o’n bhàs, ’Is dhuts’, a Chomh-fhurtair nan gràs. STABAT MATER Sheas a’ mhàthair am bròn bàite, Aig ’chrann-chéusaidh déurach craiteach, ’M bun a Mic ’s e ’n spàirn ro ghoirt. ’Cridhe caomh bha brùite, dubhach, Briste ’g osnaich is a’ tuireadh, Rinn an claidheamh-guin a lot. ’Chòin! bu chràiteach ’s gu’m bu chianail Moire Màthair bheannaicht’ Chrìosda, ’S e ’ga phianadh air a’ chrois. Gu’m bu dubhach, air a léireadh, A bha Moir’ air dhi ’bhi léirsinn, Dìol ro dhéisneach ’h-aona Mhic. [TD 132] Cò an neach a bhiodh ’s an làthair, ’Chitheadh Màthair Dhé ’s an spàirn sin, Nach biodh cràiteach ’sileadh dhiar? Cò a b’urrainn gun ’bhi brònach, ’Smaoinicheadh air cor na h-Oighe ’Ghabh co-phàirt an dòruiun Chrìosd’? Air son peacannan a sluaigh féin, Moire ’faicinn Ios’ ’ga chuaradh, ’N déis a sgiùrsadh cruaidh gu’n iochd. Moire ’faicinn a Mic ghràdhaich, Air a dhìobairt le ’chaomh-chàirdean, ’Dol gu bàs air fiodh no crois’. ’Mhàthair uile-ghaolach, tiùraich, Meud do dhòruinn, orms’, a dhrughadh, Los ’bhi ’bròn ’s a’ tùrsa leat. Deònaich m’ anam le gaol Chrìosda, ’Bhi ’na lasair dhéin gun dìocladh, ’Chor ’s gu’n toill mi ’mhiagh ’s a thlachd. ’Mhàthair naomh, biodh lotan créuchdach Do Mhic Iosa ’chaidh a chéusadh, Domhainn gèarrt’ air clàr mo chrì’. [TD 133] Deònaich dhòmhsa, ’Mhoire Mhàthair, Mo cho-roinn de Phàis mo Shlànair, ’Dh ’fhuiling air mo sgàth gach ni. Thugas dhomh gu’m bi mi tuille, Ag co-bhròn leats’ mar a’s cubhaidh, ’Thaobh na dh’fhuiling do Mhac rùin. A bhi ’d chuideachd ’taobh ’chroinn chéusaidh, Is co-chòir de d’ dhòruinn fhéutainn, Chuir mi, ’Mhàthair Dhé, ’am ùigh. ’Oigh ro urramach nan oighean, N’a cuir suarach mi, ach deònaich Dhomh co-chòir de d’ dhòruinn chràidh Deònaich gur h-e bàs m’ fhir-shaoraidh, Is a Phàis ’s a chréuchdan craobhach, ’S culaidh-smaoinich dhomh gach tràth. Gu’n dean gaol nan lot mo réubadh, ’S gaol na Fala, gaol ’chroinn-chéusaidh, M’ anam ’thoirt fo ghéill ’s fo dhaors’. [TD 134] ’N uair a théid mi ’n làthair Chrìosda, ’Thoirt dha cùnntais air mo ghnìomhran, Cùm bho’n teine shìor mi saor. ’Shlànair naoimh, an uair a’s bàs domh, Builich orm, air ghaol do Mhàthar, Ann am Pàras crùn na buaidh’. ’N uair a bhios mo chorp gun anail, Deònaich sòlas sìor do m’ anam Ann an glòir nam flaitheas shuas. Amen. NA SEACHD SAILM AITHREACHAIS* NA cuimhnich, a Thighearna, ar ciontan, no ciontan ar pàrantan; agus na diughail oirnn ar peacannan. vi. Salm.—Domine, ne in furore. A Thighearna, na cronaich mi, an ad fheirg: agus na smachdaich mi an ad chorruich. * 40 làtha laghaidh gach uair a ghabhar iad. [TD 135] Gabh truas rium, a Thighearna, oir tha mi lag: slànaich mi, chionn tha cràdh am chnàimhean. Agus tha m’ anam fo bhruaidlean mòr: ach thusa, a Thighearna dé fhad? Till, a Thighearna, agus fuasgail air m’ anam: sàbhail mi air sgàth do thròcaire. A thaobh ’s nach ’eil cuimhne ort aig neach a tha ’s an uaigh; agus an ifrinn co a bheir cliù dhut? Tha mi air mo chlaoidh le osnaich; nighidh mi mo leaba gach oidhche; agus m’ àite-laidhe fliuchaidh mi le m’ dheòir. Tha mo shùil fo ghruaim le corruich; tha mi air fàs sean am measg m’ uile nàimhdean. Imichibh bhuam, ’uile luchd-deanamh na h-éuceirt chionn chual’ an Tighearna guth mo chaoidhe. Chual’ an Tighearna m’ achanaich; dh’ éisd an Tighearna ri m’ ùrnaigh. Biodh mo nàimhdean uile fo mhasladh, ’s fo bhruaillean mòr: biodh iad air an tilleadh air an ais, ’s air an nàrachadh gu ro ghrad. Glòir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, [TD 136] agus do ’n Spiorad Naomh: mar a bha, ’s mar a tha, ’s mar a bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen. xxxi. Salm.—Beati quorum. Is beannaichte iadsan do ’m bheil an éucoirean air am mathadh: agus a tha am peacannan air an dubhadh as. Is beannaichte an duine air nach d’ agair an Tighearna peacadh: agus a tha saor bho fhoill ’na spiorad. Le ’bhi am thosd, shearg mo chnàimhean; ’s mi ri caoineadh fad an làtha. A chionn bu trom do làmh orm a làtha ’s a dh’ oidhche: dh’iompaicheadh mi am dhòruinn, an uair a lotadh mi le bioradh na grise. Ghabh mi ri m’ choire dhut: agus m’ éucoir cha do cheil mi ort. Thuirt mi: Am aghaidh féin aidichidh mi mo chiontan do’n Tighearna: agus anaceart mo pheacaidh mhath thusa dhomh. Air son so ni gach naomh riut ùrnaigh: an àm iomchuidh. [TD 137] Ach air a shon sin an tuil mòran uisgeachan, cha tig iad ’ga chòir. Is tusa mo dhìon o’n trioblaid a chuairtich mi: m’ aoibhneas, teasraig mi uapasan a tha umam ag iadhadh. Tuigse bheir mi dhut, agus eòlas air an t-slighe ’s an còir dhut imeachd: bithidh mo shùil a’ dearcadh ort. Na fàs mar an t-each agus am muileid, aig nach ’eil tuigse. Le cabastair agus le sréin teannaich giallan na feadhnach nach ’eil a’ tighinn ad chòir. Is lìonmhor sgiùrsadh a’ pheacaich: ach cuairtichidh tròcair esan a chuireas a dhòchas anns an Tighearna. Biodh aoibhneas oirbh ’s an Tighearna, ’s dianaibh gàirdeachas, a dhaoine matha: agus bithibh aighireach air fad a luchd a’ chridhe gun fhoill. Glòir do ’n Athair, &c. xxxvii. Salm.—Domine ne in furore. A Thighearna, na cronaich mi an ad fheirg: agus na smachdaich mi an ad chorruich. [TD 138] A chionn tha do shaighdean annam an sàs: agus tha do làmh trom orm. Cha ’n ’eil fallaineachd am fheòil le fiamh d’ fheirge: cha ’n ’eil fois aig mo chnàimhean as leth mo pheacannan. A chionn chaidh m’ éucoirean thar mo cheann: agus mar eallaich thruim, thromaich iad orm. Bhreò agus dh’iongraich mo chréuchdan: le meud m’ aimideachd. Is duine truagh mi, a tha air cromadh sìos gu tur: is dubhach ré an làtha mo thriall. A chionn tha mo leasraidh làn ghalar: ’s cha’n ’eil fallaineachd am fheòl. Tha mi air mo léireadh ’s air m’ ùmhlachadh gu mór: bhéuc mi le acain mo chléibh. A Thighearna, an ad fhianuis tha uile iarrtas mo chridhe: ’s cha’n ’eil m’ osnaich am falach ort. Tha mo chridhe air a sgaradh, thréig mo neart mi: agus beachd mo shùil féin cha’n ’eil agam. Thàinig mo chàirdean ’s mo choimhearsnaich dlùth dhomh: agus sheas iad am aghaidh. [TD 139] Agus an fheadhainn a bha am fagus domh, sheas iad fad as: agus an fheadhainn a bha ’g iarraidh m’ anma, rinn iad fòirneart. Agus iadsan bha ag ìarraidh mo lochd, labhair iad faoineis: agus dheilbh iad beartan foilleil fad an làtha. Ach mise, mar dhuine bodhar, cha chuala mi: ’s mar bhalbhan, nach fhosgail a bhial. B’ amhuil mi ’s duine gun chlaisdeachd: agus aig nach ’eil achmhasan ’na bhial. O’n a chuir mi mo dhòchas annadsa, a Thighearna: éisdidh tusa rium, a Thighearna mo Dhia. Oir thuirt mi: Gun fhios nach dean mo nàimhdean air àm uaill os mo chionn: agus an uair a thuislich mo chasan, dh’àrdaich iad an guth am aghaidh. Oir tha mise deas air son fulangais: agus tha fàth mo bhròin mu m’ choinnimh an còmhnaidh. Chionn ni mi mo chionta follaiseach: agus cuimhnichidh mi air mo pheacadh. Ach tha mo nàimhdean beò, agus is treasa iad na mise: agus tha ’n fheadh- [TD 140] ainn a thug fuath dhomh gun aobhar air fàs lìonmhor. Bha iadsan a dhìolas olc air son math, ’gam chùl-chaineadh: a chionn gu’n robh mi ’leantainn bheartan matha. Na tréig thusa mi, O Thighearna mo Dhia: agus na dealaich rium. Luathaich gu m’ chuideachadh, a Thighearna Dhia mo shlàinte. Glòir do’n Athair, &c. l. Salm.—Miserere. Dean tròcair orm, a Dhia: a réir do mhòr thròcaire. Agus a réir lìonmhoiread do thròcaire caomh: dubh as mo lochd. Nigh mi tuille fhathasd o m’ chionta: agus glan mi bho m’ pheacadh. A chionn tha mi ’gabhail ri m’ choire: ’s tha mo pheacadh daonnan mu m’ chomhair. Is an ad aghaidh-sa a mhàin a pheacaich mi agus ad lathair a rinn mi ’n t-olc: air chor ’s gu’m fìrinnichear thu ad bhriathran, agus gu’n toir thu buaidh an uair bheirear breith ort. [TD 141] Oir fiach, chaidh mo ghineadh an éucoir: agus am peacadh ghabh mo mhàthair mi ’na com. Oir fiach, do’n fhìrinn thug thu spéis nithean teagmhach agus dìomhair do ghliocais shoilleirich thu dhomh. Uisgichidh tu mi le ìsop, ’s bithidh mi na’s gile na’n sneachd. Do m’ chlaisdeachd bheir thu subhachas is aighir: agus ni na cnàimhean a chaidh ìsleachadh gàirdeachas. Tionndaidh d’ aghaidh air falbh o m’ pheacannan: agus dubh as m’ uile éucoirean. Cridhe glan cruthaich annam, a Dhia: agus spiorad ceart ath-nuadhaich am chom. Na tilg mi à d’fhianais: agus do spiorad naomh na toir uam. Aisig dhomh aoibhneas do shlàinte: agus daingnich mi le spiorad neartmhor. Teagaisgidh mi do shlighean do na daoian: agus tionndaidhear na peacaich riut. Saor mi bho fhuil, a Dhia, a Dhia mo [TD 142] shlàinte: agus àrd-mholaidh mo theanga do cheartas. A Thighearna, fosglaidh tu mo bhilean: agus cuiridh mo bhial an céill do chliù. A chionn nam b’ àill leat ìobairt, gu fìrinneach bheirinn seachad i: ach an ìobairtean-loisgte, cha ghabh thu tlachd. Is ìobairt do Dhia spiorad cràiteach: air cridhe brùite agus iriosal, a Dhia, cha dean thu tàire. Ad dheagh-ghean, a Thighearna, dean bàigh ri Sion: los gu’n téid ballaichean Ierùsaleim a thogail suas. An sin, gabhaidh tu gu caoimhneil ìobairt ceartais, tobartasan agus làn ìobairtean-loisgte: an sin, cuiridh iad laoigh air d’ altair. Glòir do’n Athair, &c. ci. Salm.—Domine exaudi. A Thighearna, éisd ri m’ ùrnaigh, agus gu d’ ionnsaidh thigeadh m’ achanaich. Na tionndaidh do ghnùis uam: làtha sam bith a bhios mi an téinn, aom rium do chluas. [TD 143] Ciod air bith làtha a dh’ éigheas mi ort: éisd rium gu luath. A chionn dh’fhàillnich mo làithean mar dheathaich: agus sheac mo chnàimhean mar chonnadh. Tha mi air crìonadh mar am fiar, tha mo chridhe air seargadh: leis mar a dhì-chuimhnich mi m’ aran icheadh. Le m’ dhìan-osnaich, lean mo chnàimhean ri m’ fheòil. Tha mi air fàs mar phelican an fhàsaich: agus mar chomhachaig na seann làraich. Rinn mi caithris : agus tha mi air fàs mar ghlaisian ònrachdach air mullach taighe. Ré an làtha, bha mo nàimhdean a’ toirt achmhasan dhomh: agus an fheadhainn a bha ’gam mholadh, mhionnaich iad am aghaidh. A chionn dh’ich mi luath mar aran: agus mheasgaich mi mo dheoch le deòir. Air sgàth d’ fheirge agus do chorruich: a chionn, an déigh mo thogail suas, bhuail thu ri làr mi. Chaidh mo làithean thairis mar fhaileas: agus sheac mi mar am fiar. [TD 144] Ach thusa, a Thighearna, tha mairsinn gu sìorruidh: agus do chuimhne bho linn gu linn. Eiridh tusa, agus gabhaidh tu truas ri Sion: a chionn, thàinig àm a tròcaire, a chionn, thàinig an t-àm. A choinn thaitinn a clachan ri d’ sheirbhisich: agus bithidh bàigh aca ri ’fearann. Agus bithidh eagal air na cinnich roimh d’ ainm, a Thighearna: agus air rìghrean an talmhainn uile romh d’ ghlòir. A chionn thog an Tighearna suas Sion: agus chithear e ’na ghlòir. Ghabh e suim de dh’ùrnaigh nan daoine iriosal: agus cha do chuir e suarach an achanaich. Sgrìobhear so air son na linn’ a tha ri tighinn: agus bheir an sluagh a chruthaichear cliù do’n Tighearna. A chionn sheall e bho àrd ionad-naomh: o nèamh sheall an Tighearna air an talamh. Gus an cluinneadh e osnaich na feadhnach a tha an ceanglaichean: agus gu’m fuasgladh e air an sliochd-san a chaidh a chur gu bàs. [TD 145] Los gu’n cuireadh iad ainm an Tighearna an céill an Sion: agus a chliù an Ierùsalem. An uair a chruinnicheas an sluagh ri chéile: agus rìghrean, gu seirbhis a dheanamh do’n Tighearna. Fhreagair e an rathad a neart: Innis dhomh giorrad mo làithean. Na toir air falbh mi am miadhon mo làithean: tha do bhliadhnaichean-sa bho linn gu linn. An toiseach, a Thighearna, leag thu stéidh an talmhainn: agus na néamhan is iad obair do làimh. Théid iadsan a dhìth, ach mairidh tusa: agus fàsaidh iad uile sean mar éideadh. Agus mar thrusgan atharraichidh tu iad, agus bithidh iad air am mùthadh: ach is tusa daonnan an Ti ceudna, agus cha tig fàillinn air do bhliadhnaichean. Fuirichidh clann do sheirbhiseach: agus stiùirear an sliochd gu bràth. Glòir do ’n Athair, &c. cxxix. Salm.—De Profundis. As an doimhneachd dh’ éigh mi riut, [TD 146] a Thighearna; a Thighearna, éisd ri m’ ghuth. Thugadh do chluasan an aire do ghuth m’ achanaich. Ma sheallas tu air éucoirean, a Thighearna: a Thighearna, co a sheasas ris? A chionn ’s ann agadsa ’tha saor-mhathanas: ’s air sgàth do lagha bha mo dhùil riut, a Thighearna. Chuir m’ anam earbsa ’na fhocal: chuir m’ anam dòchas anns an Tighearna. O fhaire na maidne gu dubh oidhche, cuireadh Israel a dhòchas anns an Tighearna. A chionn aig an Tighearna tha tròcair: agus aigesan tha saorsainn am pailteas. Agus saoraidh e Israel o ’uile lochdan. Glòir do’n Athair, &c. cxlii. Salm.—Domine exaudi. A Tighearna, éisd ri m’ ùrnaigh, thoir cluas do m’ achanaich an ad fhìrinn: éisd rium an ad cheartas. Agus na téirig am breitheanas le d’ sheirbhiseach: a chionn cha’n fhìrinnichear duine beò ad làthair. [TD 147] A chionn rinn mo nàmhaid géur-leanmhainn air m’ anam: dh’ìslich e mo bheatha gu làr. Chuir e mo thuineadh an dorchadas, mar iadsan a bha fada marbh: agus tha mo spiorad annam an téinn, agus léireadh mo chridhe an taobh a staigh dhiom. Chuimhnich mi air na làithean o shean, smaoinich mi air d’ oibrichean uile: gnìomhannan do làmh, thug mi fainear. Riutsa, shìn mi mo làmhan: mar fhearann gun uisge, tha m’ anam dhut. Eisd, rium, a Thighearna, gu grad: tha mo spiorad air fàillneachadh. Na tionndaidh do ghnùis air falbh uam; mu’m bi mi coltach riusan a theid sìos do’n t-sloc. Thoir orm do thròcair a chluinntinn anns a’ mhadainn; agus gu’n do chuir mi mo dhòchas annad. Thoir dhomh eòlas air an rathad air an còir dhomh imeachd: a chionn ’s an riutsa a thog mi suas m’ anam. Teasraig mi bho m’ nàimhdean, a Thighearna; ’s gur an ad ionnsaidh a theich mi: ionnsaich dhomh do thoil [TD 148] a dheanamh, a chionn gur tu mo Dhia. Treòirichidh do spiorad math mi gus an tìr cheart: air sgàth d’ ainme, a Thighearna, beothaichidh tu mi ad cheartas. Bheir thu m’ anam o ànradh: agus ad iochd, cuiridh tu mo nàimhdean a dhìth. Sgriosaidh tu iadsan uile a tha ’cur trioblaid air m’ anam: a thaobh gur mi do sheirbhiseach. Glòir do’n Athair, &c. Na cuimhnich, a Thighearna, ar ciontan, no ciontan ar pàrantan: agus na diughail oirnn ar peacannan. URNAIGH AN SPAIRN A’ BHÀIS A THIGHEARNA, dean tròcair oirnn. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Naoimh Mhoire, guidh air ar son. A Naomha Ghàidhealaich uile, guidhibh air ar son. [TD 149] Deanamaid ùrnaigh. Imich as an t-saoghal so, O anam Chrìosdail, an ainm Dhé an t-Athair uile-chumhachdach, a chruthaich thu: an ainm Iosa Chrìosda, Mac an Dhé bheò, a dh’ fhuiling air do shon: an ainm an Spioraid Naoimh, leis an deach do naomhachadh: an ainm nan Aingeal agus nan Ardaingeal: an ainm nan Cathraichean agus nam Feartan; an ainm nam Prionnsaichean agus nan Cumhachdan: an ainm nan Cerubim agus nan Seraphim; an ainm nan Athraichean-Naomh agus nam Fàidhean; an ainm nan Ostal agus nan Soisgeulach naomh; an ainm nam Mairtirean agus nan aidmheileach naomh; an ainm nam Manach agus nan Aonaran naomh; an ainm nan Oighean naomh, agus Naoimh agus Ban-naoimh Dhé uile; an diugh biodh do thuineadh an sìth, agus do dhachaidh ann an Sion naomh. Troimh Iosa Crìosda ar Tighearna. Amen. A Dhia na h-iochd, a Dhia na tròcaire, a tha le meud do bhàidh a’ toirt a’ pheacaidh air falbh leis an aithreachas, agus a [TD 150] tha ’leaghadh as nan ciontan a chaidh seachad am fialachd do ghràs; thoir sùil fhial air N. so do sheirbhiseach (bhan-shierbhiseach), agus air ar n-iarraidh éisd ri ’achanaich (h-achanaich), a’ sireadh le uile dhùrachd a chridhe (cridhe) mathanais na ’uile (h-uile) pheacannan. Leighis ann (innte), ’Athair na tròcaire, gach ni a tha breòite le laigse shaoghalta, no truaillidh le ceilg an droch spioraid, agus snaim e (i) ri corp d’ Eaglais féin, mar bhall a chaidh a cheannach leat. Gabh truas, a Thighearna, ri ’osnaich (h-osnaich), gabh truas ri ’dheòir (’deòir): agus o nach an ni sam bith eile, ach ann ad iochd-sa a tha bun a dhòchais (dòchais), thoir sìth dha (dhi) fo dhìomhaireachd do sgéithe. Troimh Chrìosda ar Tighearna. Amen. Ris an Dia uile-chumhachdach tha mi ’gad earbsa, a bhràthair (phiuthair) ro ghaolaich, agus ’gad liubhairt dhasan leis an leis thu mar chréutair: air chor, ’s an uair a phàidheas tu leis a’ bhàs dlighe do nàduir, gu’n till thu ris an Tì a chruthaich thu, agus a dhealbh thu à criadh an talmhainn. A’ falbh as a’ choluinn, ma [TD 151] tà, gu’m b’ e cuideachd gheal nan Aingeal a chòmhlaicheas d’ anam: gu’m b’ e cùirt nan Ostal le ’m fàilt shèimh a thig ad fhianuis: gu’m b’ e armailte buadhach nan geal Mhairtirean a thig ad dhàil: gu’m b’iad na h-Aidmheilich, cruinn mar lilidh geal, a dh’iadhas umad: gu’m b’ e co-sheirm éibhinn nan Oighean a ghabhas greim dhiot, agus a bheir gu fois shaibhir thu am broilleach nan athraichean naomh; gu’m b’ ann le aoigh agus gean ’na aodann a nochdar dhut Iosa Crìosda, ’gad ghairm am fochair a chàirdean: gu’m bu fada uat gach ni a dhìolar an dorchadas, a smachdaichear ’s an teine, ’s a dhìtear gu dòruinn shìorruidh: géilleadh dhut Sàtan an uilc, maille ri ’chombaich: critheadh e roimh d’ thaigheachd am measg nan Aingeal: teicheadh e le fuathas gu ’aibheis dhuibh, shiorruidh féin. Eireadh Dia, ’s biodh a nàimhdean air an sgapadh: teicheadh a luchd-fuath as ’fhianuis, meathadh iad as mar an deathach; mar a leaghas a’ chéir ri aodann an teine, caitheadh na peacach as an làthair Dhé: ach aig na daoine-cearta biodh cuilm, biodh aighir an [TD 152] làthair Dhé. Mar sin le fiamh air an gonadh biodh ceathairne an dorchadais agus aig gaisreadh Shàtain na biodh de dhànadas ceap-aimhleis a chur ad shlighe. Saoradh Crìosda thu bho phéin, a chéusadh air do shon; saoradh Crìosda thu bho bhàs sìorruidh, a dheònaich am bàs fhulang air do shon; suidhicheadh Crìosda, Mac an Dé bheò, thu am pàras àillidh nan séud; cunntadh am Buachaille fìrinneach ud thu an àirimh a thréud. Glanadh e thu bho d’ pheacannan gu léir, agus am measg a dhaoine-taghte tilgeadh e do chrannchur: gu’m b’ ann aghaidh ri aghaidh a chì thu do Shlànair, agus gu bràth gu’m b’ ann a bhios do shùil shona a’ coimhead air fuaran àghor na fìrinne, agus gu’m b’ann an comunn nan Naomh a léumas d’ anam le sòlas fo dhèarrsadh an t-sòluis shìorruidh. Amen. Thoir, O Thighearna, do sheirbhiseach (bhan-sherbhiseach) gu ionad na beatha, ris am bheil a dhùil (dùil) o d’ thròcair. R. Amen. Saor, O Thighearna anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), o uile chunn- [TD 153] artan iutharna, bho’n a h-uile péin, agus o na h-uile truaighe. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Enoch agus Elias o bhàs cumanta chlann-daoine. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Noa bho’n tuil. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Abraham o àr nan Caldéach. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Iob o ’uile dhòruinnean. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Isaac o ’bhi ’na ìobairt fo làimh ’athar. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheir- [TD 154] bhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Lot o Shodom agus o lasraichean teine. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Maois o làimh Phàrao rìgh na h-Eiphit. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Daniel o shloc nan leòmhann. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu an triùir chloinne bho’n àmhuinn theine, agus o làimh an droch rìgh. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Susanna bho aithis bhréige. R. Amen. Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Dabhaidh bho làimh righ Shaul agus Gholia. R. Amen. [TD 155] Saor, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor thu Peadar is Pòl o phrìosan. R. Amen. Agus mar a shaor thu an òigh ’s a’ bhana-mhairtir bheannaichte Tecla bho thrì dòruinnean cruaidhe, amhuil sin deònaich anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich) so a shaoradh, agus a chur (cur) maille riut an seilbh na beatha sìorruidh. R. Amen. Deanamaid ùrnaigh. Tha sinn ag earbsa riut, O Thighearna, anam do sheirbhisich (bhan-sheirbhisich) N. agus is e ar n-achanaich riut, Iosa Chrìosda, a Shlànair an t-saoghail, nach diùlt thu an t-anam so, a thàinig thu ’shireadh gu tròcaireach gu talamh, a chur an asgall nan Athraichean Naomh. Gabh, a Thighearna, ri ’anam (h-anam), a chaidh a chruthachadh, cha’n ann le diathan eile, ach leatsa an t-aon Dia beò agus fìrinneach: oir Dia eile cha’n ’eil ann ach [TD 156] thusa, agus fear do ghnìomh cha’n ’eil ri fhaotainn. Thoir sòlas do’n anam so ’nan làthair: na cùm cuimhne air a sheann (seann) chiontan, no air a’ mhisg a dh’ fhaodadh droch thogradh a lasadh ’na inntinn (h-inntinn). Ge do dh’éirich dha (dhi) am peacadh a dheanamh, cha d’àicheadh leis (leatha) an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad Naomh, ach chreid e (i) annta, agus bha éud diadhaidh ’na chridhe (cridhe), agus do’n Dia a rinn gach ni thug e (i) aoradh gu dligheach. Deanamaid ùrnaigh. Na agair air (oirre), tha sinn a’ guidhe ort O Thighearna, peacannan na h-òige agus an aineòlais; ach a réir do mhór thròcaire féin bi cuimhneach air a leas an solus do ghlòire. Fosgladh flathanas roimhe (roimpe); biodh toilìnntinn air na h-Ainglean. Gu d’ rìgheachd, a Thighearna, gabh do sherbhiseach (bhan-sherbhiseach). Gabhadh Naomh Micheil Ardaingeal Dhé aig am bheil ceannfeadhnas air feachd fhlathanais, greim dheth (dhi). ’Na [TD 157] chionnimh (coinn-) thigeadh Ainglean Dhé, agus thugadh iad e (i) gu baile glòrmhor Ierùsaleim. Cuireadh an t-Ostal Peadar beannaichte, a fhuair o Dhia iuchraichean fhlathanais, furan air (oirre). Deanadh Naomh Pòl, a thoill a bhi ’na shagart-taghte, a chòmhnadh (còmh-). Biodh naomh Eoin, an t-Ostal ionmhuinn a fhuair sealladh air dìomhaireachd fhlathanais, ’na eadarghuidhear air a shon (son). Deanadh na Naoimh air fad agus daoine-taghte Dhé, a dh’ fhuiling anns a’ bheatha so dòruinn air son Chrìosda, eadarghuidhe air a shon (son). Air chor ’s gu’m faod e (i) an déigh bristeadh à prìosan na feòla, riughinn air glòir rìgheachd fhlathanais, le comharradh Iosa Chrìosda ar Tighearna. A tha beò ’s a’ riaghladh maille ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, o shaoghal gu saoghal. Amen. Nuair a chaochlas e (i), theirear. Thigibh, a Naomha Dhé uile, thigibh uile Ainglean an Tighearna, agus glacaibh [TD 158] ’anam (a h-anam), agus thugaibh e an làthair an Tì a’s àirde. V. Gu’m b’e Crìosda a rinn do ghairm a ghabhas greim dhiot; gu’m b’ iad na h-Ainglean a ghlacas tu, agus a chuireas an uchd Abrahaim thu, agus an làthair an Tì a’s àirde. R. Glacaibh ’anam (a h-anam). V. Fois shìorruidh thoir dha (dhi) a Thighearna, agus solus nach dìbir dèarrsadh air (oirre). R. Thugaibh e an làthair an Ti as àirde. A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chrìosda, dean tròcair oirnn. A Thighearna, dean tròcair oirnn. Ar n-Athair, &c. (le guth ìosal). V. Agus na leig am buaireadh sinn. R. Ach saor sinn o ’n olc. V. Fois shìorruidh thoir dha (dhi) a Thighearna. R. Agus solus gun dìbir dèarrsadh air (oirre). V. O dhorsan ifrinn. R. Teasraig ’anam (a h-anam), O Thighearna. [TD 159] V. A Thighearna, éisd ri m’ achanaich. R. Agus gu d’ ionnsaidh thigeadh mo ghuth. V. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. R. Agus ri d’ spiorad-sa. Deanamaid ùrnaigh. Riutsa, a Thighearna, tha sinn ag earbsa anam do sheirbhisich (bhan-) N. gu ’bhi maireann maille riut an déigh a’ bheatha so a thréigsinn: agus na ciontan a rinn e (i) ’na bheatha (’beatha) le laigse a nàduir, glan thusa uaidh (uaithe) na d’ mhòr thròcair. As leth Iosa Chrìosda ar Tighearna. Amen. MOIRE AN DUBH-BHROIN BU trom a bròn, Bu ghoirt a leòn, Bu dlù na deòir Bho shùil na h-oigh’, ’S a sàr-mhac òg ’S an dòruinn mhòir, ’G a chéusadh beò ’Si ’g amharc air. [TD 160] Co chuala no chunna Measg mnàtha na cruinne, Té eile ’dh’fhuiling Do chruadal-sa ’Mhoire? Co è a b’urra Gun ghuth dubhach ’S gun shùil struthach Aithris air? Bha ’cridhe air a leòn Le claidheamh a bhròin, B’ ùr acaid dhi ’m beò Gach cneadh ’bha ’na fheoils’, ’S e bho ’chridhe gu dhòrn, Bho ’mhullach gu bhròig, Gun eang, gu òirleach Fallain dheth. ’S e ’mhiadaich a cràdh ’S a theannaich a spàirn, Gur e ’s ceann-fàth D’a osnaich ’s d’a phàis ’S d’a lotan bàis, Am peacadh gun àgh A rinneadh le càirdean Aineòlach. [TD 161] A mhin Mhoir-Oigh! A bhan-righ ’n dubh-bhròin! Le Magdalen ’s Eoin, Thoir cead seasamh dhomhs’ Bho ’n ’s ro mhath mo chòir-s’ ’Dhol fo d’mhulad ’s fo d’leòn, ’S a’shileadh nan deòir Air Calbhairi. ’S gach troidh ’s gach deàrna ’S mi ’chuir àlach; Mo pheacadh bàis-se An t-sleagh a ràinig Chridhe mo Shlan’ir, ’S mise a shàth i— Fàth mo nàire ’S m’ aithreachais! An crochadh ri craoibh Tha Cuspair mo ghaoil, A Chridhe fosgailt’ le faoilt’ ’S a ghàirdeanan sgaoilt’ Gu’m ’fhalach ’na Thaobh; Sud ceann-uidh nan Naomh, Tearmann ’s dachaidh an taobh-sa ’Fhlathanas. [TD 162] Crann-céusaidh mo ghràidh, Sud leabhar an àigh As an ionnsuichear cràbh, Umhlachd gu làr, Umhailteachd gu bàs. Olc a Mhàtadh do chàch ’S priomh-shubhailc a ghràidh Sìor-Mhaireannaich. Bho ’lotan bàis Leum fuarain ghràs, Nach traogh ’s nach tràigh A chaoidh nan tràth— A Mhoire mo ghràidh! Dian riumsa bàigh, ’S cha riuth iad gu stà D’am anam-sa. A Mhathair, riamh A fhuair na dh’iarr, Air t-aon-ghin Ios’ Guidh agus grìos, Gu math e ar fiach ’S gu leasaich ar gnìomh ’S gu meal sinn gu sìorruidh Flathanas. [TD 163] CLO-BHUAILTE LE OLIVER AGUS BOYD DÙNEIDEANN