[C 1] AIG TIGH NA BEINNE [C 2] [Bàn] [C 3] Aig Tigh na Beinne Le K. W. G. [TD 1] AIG TIGH NA BEINNE. Le K. W. G. OBAN: HUGH MACDONALD, BOOKSELLER, ESPLANADE. GLASGOW: ALEX. M‘LAREN & SON, 360 AND 362 ARGYLE ST. 1911. [TD 2] [Bàn] [TD 3] MAR CHUIMHNEACHAN AIR NA CÀIRDEAN A SHIUBHAIL, DO NA CÀIRDEAN A TH’ AIR FUIREACH,— ’NAN DÉIGH-SAN, DHAIBH-SAN UILE A THA ’NAN CÀIRDEAN DO ’N GHÀIDHLIG, THA MI A’ COISRIGEADH M’ OBAIR. [TD 4] ROIMH-RÀDH. ’S iad a’ chuid ’a ’s feàrr de mo sgrìobhaidhean a tha mi air a thrusadh an so ri chéile. Thagh mi iad anns a bheachd gu ’n toireadh iad so tuilleadh toileachaidh na ’bheireadh a’ chuid eile dhiubh. B’ ann an Tigh Na Beinne a chaidh a’ chuid is modha de na sgeòil innseadh dhomh. Fhuair mo Sheanmhair na h-uile facal mu Iain Ciar bho ’n ghreusaiche Mac-an-Léigh ’s an Oban. B’e ’n greusaiche sin mac do Mhac-an-Léigh a bha ’n a ghille aig Caiptein Donnachadh Dhunola; agus b’ iar-ogha e do Mhac-an-Léigh a bha le Iain Ciar. Fhuair i an Sean Sgeul mu Cholaginn, agus mu Mhoileag, bho chàirdean d’ am b’ aithne na daoine air gach taobh. Dh’ innseadh sgeul Raoghnuil agus Eilidh dhomh le aon d’ an sliochd a tha fathast beò ann an New Zealand. Bheir mi mìneachadh mu Chlach Na Lànain, agus mu Mhòrag, aig deireadh an leabhair. Tha mi duilich nach tiuc “Uilleam Tell” ’s an leabhar so. Dheanadh e tuilleadh’s tiugh e. Tha mi air cumail ris an t-sean dòigh-sgrìobhaidh. Tha clann cho cleachdta ris, ’an leughadh a’ Bhìobuill, agus leabhraichean eile, gu ’n do mheas mi nach biodh e glic atharrachadh a dheanamh, no dòighean úra a ghnàthachadh. Bheirinn tàing an so do ’n Chomunn Ghàidhealach air son a’ chead shuairce a fhuair mi dà Sgeul-dhuais agus na h-Orain-duais a chur am measg chàich. Tha mi a’ toirt buidheachas gu sonruichte do ’n Ollamh Mac Enric air son amharc a stigh anns na tha ’s an leabhar; agus air son na misnich a thug e dhomh gu dol air aghart leis. Mar an ceudna do dheagh Mhac Bràthar-mo-Mhàthar, Donnachadh Mac Isaaic, a thug a cheud cheartachadh do gach taobh-duilleig ’an àm a chlò-bhualaidh; nì a chaomhain mòran dragh is ùine dhomh-sa. CATRÌONA NIC-’ILLE-BHÀIN GHRANND. [TD 5] CLÀR-AMAIS. Taobh-duilleig. Roimh-Ràdh, Moileag, 9 Mórag na h-Airigh Mheadhoin, 33 Clach na Lànain, 50 Raoghull agus Eilidh, 61 Iain Ciar agus an Robair, 72 Iain Ciar agus a’ Bhan-Fhrangach, 79 Ogha Iain Chiair, an Eirinn, 85 Turas Eoghainn do ’n Roinn-Eòrpa, 90 Seann Sgeul mu Cholagainn, 118 Cailleach Bheur, 129 Tobraichean Seunta Na Gàidhealtachd, 140 Duilleag á Linn mo Sheanamhar, 150 Ceithir-là-deug ann am Fìon-lios, 170 AIR AN EADAR-THEANGACHADH. An Cruithneachd Sarrasin (Hans Andersen), 183 An t-Amadan-liath (Hans Andersen), 186 Salm a’ Chìbeir (As a’ Bheurla), 190 An Rìgh, agus an Còcaire Albannach (As a’ Bheurla), 193 BÀRDACHD. Céilidh Dhùn-I, 197 Tuireadh, 206 Do m’ Chàirdean a Chaochail aig deireadh na Linn, 208 Blàth-Fhleasg o Mhòd nam Maca-meamna, 209 Iadh-shlat is Eidheann, 211 Fothannan nan Càrn, 214 Badan Fraoich, 216 Am Fuaran Ard, 219 An Gàidheal anns a’ Bhaile-mhór, 220 Iomram Bean-na-Bainnse, 222 Am Feasgar Roimh ’n Chath, 224 Tuireadh nan Gàidheal, 225 Briseadh na Fàire, 227 [TD 6] BÀRDACHD EADAR-THEANGAICHTE. Taobh-duilleig. Reul-Sholus (Ernst Moritz Arndt), 233 Gearan a’ Bhàird (Schiller), 234 Crònan (Eugene Field), 235 Aisling an t-Saighdeir (Thomas Campbell), 236 Rìbhinn na Màighe (“May Queen,” Part I.), 237 Uaighean Aoin Teaghlaich (Mrs Hemans), 240 Calanas, 241 “Deanaibh Faire” (Ezekiel and other Poems), 245 Cò ’n Ti le Fonn nach Seinneadh? (Sankey’s S. & S.), 248 Iosa, Thog Mi Mo Chrann-Ceusaidh (H. F. Lyte), 249 O! dean-sa, ’Dhé, de Neòil mo Phéin (Dr. Matheson), 251 Dàn Nan Aingeal (“It came upon the Midnight clear”), 252 Sìor Làthaireachd Dhé (“The House of Obed-Edom”), 254 Miann A’ Chrìosdaidh (“I would not live alway”), 256 Muinghinn Ann An Dia (Paul Gerhardt), 258 Slighe Leth-uaireach, 260 Laoidh Lùtheir, 262 Earb an Dia ’s Gu h-Ionraic Gluais (Tòrmaid MacLeòid), 263 Lànachd Slàinte (Sankey’s S. & S.), 264 Sgeul a’ Ghràis (Sankey’s S. & S.), 265 An Eaglais ’s an Saoghal, 267 Laoidh Na Rìoghachd (National Anthem), 272 Laoidh Coisrigidh (F. R. Havergal), 273 Sìth Iomlan (An t-Urr. E. H. Bickersteth), 274 A’ Chaora Chaillte (Eliz. Clephane), 275 Laoidh do ’n Chloinn (Mrs Luke), 276 FATH-SGRÌOBHADH. Clach Na Lànain, 279 Mòrag, 279 Cloinn Chaluim Cholagainn, 281 Mìneachadh air ainmean Shligean is Eòin-mhara, etc., 283 [TD 7] MOILEAG. NAIGHEACHD DO ’N CHLOINN. [TD 8] “Am faic thu, Mhalmhìna nan seòd Carraig Mhòr, ’s a ceann am fraoch; Trì giuthais ag aomadh o’n tòrr, Caoin ghlasra tha còrr r’ a taobh? An sin tha dìthein tlà nan gleann, Is gloine ceann, a’ crith fo ’n ghaoith; An cluaran glas air chrom nan càrn, A’ call gu mall a chalg le h-aois.” [TD 9] MOILEAG. AN DACHAIDH. FO dhìon creige mòire, ri taobh deisearach Beinn Eilde, bha tighein beag tubha, le plèadan de fheur mìn mu choinneamh an doruis. Anns an tigh so bha Moileag a’ fuireach le ’h-athair ’s le ’màthair. Cha robh aca de chlann ach i fhéin. A chionn nach robh clann bheaga dlùth làimh leis an cluicheadh i, bhiodh i ’ruith ás déigh a màthar na h-uile taobh a rachadh i. An uair a bhiodh a màthair a’ leigeil a’ mhairt, bheireadh Moileag air urball na Drim’ionn, los nach toireadh i sguidse do churrac geal grinn a màthar. An uair a bhiodh a màthair a’ sgaoileadh nam badan air na preasan àirneag air a’ bhruthach, bha Moileag ’g a cuideachadh cho math ’s a b’ urrainn di. An uair a bhiodh i sgìth, shuidheadh i aig bun craoibh mhòir ghiuthais aig ceann an tighe, leis a’ phiseig ’n a h-uchd, a’ gabhail beachd air a màthair gus am biodh i réidh. Mar so, bha i aig sàiltean a màthar na h-uile taobh a rachadh i, mar a bhios uan a’ ruith ás déigh caora, agus bha màthair Moileig cho sona ’s a ghabhadh i bhith a leithid de bhana-chompanach a bhi aice. Bha Moileag còig bliadhna dh’aois aig an àm so. Air latha bha sin, dh’ fhalbh Ailean, athair Moileig, do’n Ghearastan, tràth ’s a’ mhadainn, a’ gealltainn gu’n toireadh e faidhrean g’a h-ionnsuidh ’n uair a thigeadh e dhachaidh ’s an fheasgar. Aon uair ’s gu’n robh e ’n déigh mheadhoin- [TD 10] latha thòisich Moileag ri ruith an dràsd ’s a rithis gu oir a’ bhruthaich a dh’ fheuchainn am faiceadh i a h-athair a’ ’tighinn a nuas an gleann— “C’uin a bhios e ’n t-àm do Dhaidi tighinn?” dh’fharraid i d’a màthair. “Cha bhi gu ceann fhada; falbh thusa ’s thoir a stigh fòid no dithis ás a’ chruaich mhòine, ’s ni thu fhéin is mise bonnach a gheibh e ’n uair a thig e dhachaidh sgìth.” Ruith Moileag a dh’ iarraidh nam fòidean, agus an tiota bha a’ ghreideal air, agus teine math foidhpe. Sheas Moileag aig ceann a’ bhùird, is fhuair i beagan taois’ o ’màthair, agus rinn i bonnach beag, nach robh ro chruinn, agus a bha car sgagach, ach bha ’n oidheirp air fuineadh mar nach b’olc, ’s bha i fhéin glé mhòr ás. Chuir i so air luath teth na mòna, aig oir an teine, a chionn cha robh àite dha air a’ ghreidil?— “Am faod mi dol sìos thun an rathaid-mhòir a dh’fheuch am faic mi Daidi?” ghuidh i ’n sin. “A chiall mo chridhe, dean faighidinn, cha ’n ’eil an t-àm ann fhathast;” fhreagair a màthair. Ach, cha do shàsaich so Moileag; bha de fhadal oirre am faidhrean fhaighinn, agus bha fadal oirre a h-athair fhaicinn, cuideachd; oir bha a cridhe leagta air:—“Théid mi cho fada ris a’ chloich ghlais matà, ’s mur faic mi Daidi, tillidh mi;” thuirt Moileag. “Bi falbh matà, ’s feuch nach téid thu chòir na h-aibhne, mu’n tuit thu ’s a’ ghlumaig; agus ni mise bonnach no dhà a thuilleadh;” fhreagair a màthair mu dheireadh. Cha bu ruith ach leum do Mhoileag. A sìos an leathad ghabh i gus an d’ ruig i clach mhòr ghlas, a bha ’na seasamh ’s an fhraoch, leth a sìos am bruthach thun an rathaid-mhòir. Thug Moileag sùil fhada suas an gleann, ach duine cha robh ri fhaicinn. Shuidh i ’s an fhraoch am fasgadh na cloiche, agus ghabh i tlachd ann a bhi toirt aire do na daolagan beaga, agus na figheadairean crìona, sgàrlaid [TD 11] a bha ruith cho luath air feadh a’ cnotail air a’ chloich. Bha i air a toirt suas gu mòr le bratag bhriagh, a bh’ air thurus air bàrr an fhraoich, an uair a chual i guth ag ràdh, dlùth dhi:—“So, thoir thusa leat am poca so, ’s gleidhidh mise na spàinean.” Thug Moileag sùil ealamh mu ’n cuairt do ’n chloich agus chunnaic i Marsaili Mhòr, le ogha beag dhi a’ dìreadh an uchdain le ’m bathar de spàinean adhairc agus iarunn-geal. Thug am balachan an aire do Mhoileag, agus tharraing e aire a shean-mhàthar g’a h-ionnsuidh. A nunn ghabh Marsaili far an robh i. “’Dé tha thu deanamh an so?” dh’ fheòraich i. “Tha mi dol an coinneamh mo Dhaidi;” fhreagair Moileag le fiamh. B’ fheàrr leatha gu’n robh i aig an tigh. “C’àit’ a’ bheil do Dhaidi?” ars’ a’ bhan-cheàrd, “Tha e ’tighinn dachaidh, an ceart-uair,” arsa Moileag, an smuaint a’ toirt misnich dhi. “Thar na faidhreach, an ann?” “’S ann.” Thug Marsaili sùil mu’n cuairt. “Chaidh d’ athair sìos ceum de’n rathad le cuid de mhuinntir na faidhreach. Tiugainn leamsa, agus gheibh thu marcachd air an asal gus an coinnich thu d’ athair, agus tillidh tu leis;” agus rug i air làimh air Moileag. Tharraing Moileag air a h-ais. “Cha ’n fhaod mi, gheall mi do ’m Mhami tilleadh mur tigeadh Daidi.” “Nach e sin a tha mi ’g ràdh! gu ’n toir mi thun d’ athair thu,” agus thog Marsaili a’ chaileag ’n a glaic làidir, agus ghiùlain i sìos i thun an rathaid-mhòir. “Leigibh leam dol dachaidh!” ghuidh Moileag, ’s an aileagail, na deòir ag éirigh ’n a sùilean. Na ’n toireadh i glaodh chluinneadh a màthair i, air an aobhar sin, rinn Marsaili a brìodal. “Cuisd thusa, ’ghaoilein;” ars’ i, “Na biodh eagal ort; gheibh thu sìos far a bheil d’ athair an tiota,” agus chuir i air druim na h-asail i; “Cha ’n ’eil e ach crioman a sìos an rathad.” [TD 12] Thuirt i facal ri càch nach do thuig Moileag, agus cha robh a’ chuideachd ro thoilichte a réir coltais, ach thionndaidh Marsaili ceann a’ bheothaich, agus thill iad an rathad a thàinig iad, a’ dol sìos an gleann. “’Dé ’s ciall d’a so?” dh’ fharraid Bodach-na-glaodhaich; céile Marsaili. “Tha gu’m bheil mise toirt na caileige laghaich so ’n coinneamh a h-athar, ’s e air dol a sìos do ’n t-Srath. Cum thusa do theanga is innsidh mi na h-uile car a rithis,” agus ghreas Marsaili an asal. Thug Moileag sùil a suas am monadh. Chunnaic i mullach an tighe aca fo sgàil na creige; an Drim’ionn ag ionaltradh air a’ bhruthach; chunnaic i geugan na craoibh ghiuthais a’ gluasad a suas agus a nuas fo oiteig shèimh, mar a’ fàgail beannachd leatha. An sin thàinig bruach àrd, fraochach, eadar i ’s a dachaidh, agus dhùisg geilt ’n a cridhe. “Cum sùil air thoiseach ort air son d’ athair,” arsa Marsaili, a rithis a’ greasadh na h-asail. Aig a h-uile tionndadh de ’n rathad dh’ amhairc Moileag le fiughair air son coltas a h-athar; ach sealladh dheth cha d’ fhuair i. Bha e fàs anmoch, an uair a ghlac i misneach a ràdh ri Marsaili. “Leigibh leam dol dachaidh nis, cha bhi Mami toilichte dhiom fuireach.” “Cha ’n urrainn duit dol dachaidh leat fhéin,” ars’ a bhan-cheard; “Bheir Seoc air ais thu ’sa mhaduinn.” “B fheàrr leam falbh: ruithidh mi dhachaidh leam fhéin,” ghuidh Moileag. “Beiridh Eoghan a’ Chinn-bhig ort, matà, ’s cha ’n fhaigh thu dhachaidh gu bràth, Na h-abair aon fhacal tuilleadh uime,” arsa Marsaili, le spraic. A rithis thug i òrdugh do chàch nach do thuig Moileag, agus a’ tionndadh a stigh air rathad garbh a bha dol a suas monadh corrach, chaidh iad ás an t-sealladh an ciaradh an fheasgair. [TD 13] AN TÒIR. Fhuair màthair Moileig gu math air a h-aghart le deasachadh an arain. Bha “’chaora dhubh leis an lomradh gheal” air a còmhdach, ’s air a lomadh iomadh uair thairis, agus bha na bonnaich chruinne, gheala a’ cruadhachadh mu’n cuairt an teine. An sin dh’ ionndrainn a màthair nach robh Moileag air tilleadh. “Cha’n ’eil fhios dé th’ air tighinn rithe nach do thill i mar a gheall i; cha bu chòir dhomh bhi air leigeil leatha dol ás mo shealladh,” ars’ i rithe fhéin, agus chaidh i mach le cabhaig gu beul an tighe. Cha’n fhac i Moileag, ach fhuair i plathadh de bhoinneid-ghorm agus de bhreacan Ailein a’ tighinn am follais air an fhrith-rathad; mar sin ruith i stigh, sguab i ’mhin bhàrr a’ bhùird, thug i dheth a’ ghreideal, agus chuir i air poit a’ bhrochain ’n a h-àite. “Bidh an t-acras air Moileag ’s air a h-athair,” arsa Bean Ailein rithe fhéin a rithis, agus chuir i fòid no dhà a thuilleadh a ghreasadh a’ bhrochain. “Nach iad a tha sàmhach thairis air an tighinn dachaidh; feumaidh gu bheil iad sgìth”—agus chaidh i ’n an coinneamh a dh’ ionnsuidh an doruis. Bha Ailean an sin, le Cavag aig a shàiltean. “C’àit’ an dh’fhàg thu Moileag” dh’fheòraich a bhean mu’m b’urrainn do Ailean an stairsneach a ruigheachd. “Cha d’fhàg taobh; ’s ann a bha iongantas ormsa nach robh i tighinn ’am choinneamh,” fhreagair Ailean. “Rinn i othail gu leòir mu dhol ’n ad chòmhdhail,” ars’ a bhean. “C’àit’ an urrainn di bhi air fuireach!” “Bidh i ’toirt a’ mhairt dhachaidh;” ars’ Ailean. “Falbh stigh, ’s bidh mi leat an tiota; ach chì mi ’n toiseach c’àite bheil an Drim’ionn;” agus chaidh a bhean a nunn rathad a’ bhàthaiche. [TD 14] Bha ’m mart an sin gu socair, a’ cnàmh a cìr. Thill Bean Ailein thun an tighe. “Bidh tu air fannachadh,” thuirt i ris “ach ma bhios tu toilichte le greim arain is balagam bainne, car leth-uair, théid mi mach fhad ’s a bhios tu ’g a ghabhail, a dh’fheuch am faic mi Moileag: tha e ’fàs anmoch.” Le so a ràdh, chuir Bean Ailein bonnach no dhà air a’ bhòrd, agus cuach le bainne na maidne an làthair an duin’ aice, agus chaidh i mach. Sheas i air mala a’ cnuic; rannsaich i le a sùil gach lag, gach tom, gach frith-rathad mu’n cuairt. Ghlaodh i air a h-ainm an leanabh. Cha d’ thàinig ach freagairt mac-talla nan creag ag aithris—A Mhoileag! A Mhoileag! C’àit’ a bheil thu?—“Eilidh!” ars’ Ailean, a’ tighinn thun an doruis, “Falbh thusa ’s leig am mart; agus gabhaidh mise ceum mu’n cuairt am monadh le Cavag. Mur faigh mi Moileag eadar so agus leth-uair, théid mi gu tigh Sheumais Chamshroin, agus trusaidh sinn na coimhearsnaich uile, agus rannsaichidh sinn na h-uile ceàrn air son Moileag.—“So! ars’ Ailean ris a’ chù, a’ togail stocaidh bheag bhàrr cathair, ’s a’ toirt air ’fhàile a ghabhail, “trobhad ’s faigh Moileag!” agus dh’fhalbh iad, am feadh a chaidh Eilidh do’n bhàthaiche. Fhuair i ùine air a’ mhart a bhleodhann, agus air a cur a mach a rithis. Shìolaidh i ’m bainne ’s chuir i seachad e. Bha uisge ’bhrochain air ghoil, ach cha d’ fheith i gus a’ mhin a chur air; agus sheas i ag éisdeachd, air a phlèadan air beulaobh an doruis. Chual’ i guthanna nam fear a bha ’dìreadh thun an tighe. “Cha d’fhuair iad mo ghaol beag!” ars’ i, a’ seasamh ’g am feitheamh, le a dà làimh paisgte teann ’n a chéile; bha e tuilleadh’s dorcha dhi am faicinn. “C’àite bheil mo leanabh?” thuirt i, air daibh a ruigheachd. Mu’m b’ urrainn di facal eile ràdh, thuirt Ailean’ a’ cur a làimh air a gualainn:—“Eilidh, ’s tusa dh’ fheumas innseadh dhuinn ’dé ’n rathad a ghabh i. Cuimhn- [TD 15] ich na h-uile car mar a thachair, agus innis duinn e, los gu’n cuir sinn ar comhairle ri chéile ciod is feàrr a dheanamh. Thuirt e so los nach toireadh i géill. Dh’ iarr i cead dol ’n ad choinneamh,” fhreagair i:—“Bha e tràth, ach leig mi leatha dol ann:—Thuirt mi rithe gun dol a chòir na h-aibhne; ’s gheall i nach rachadh i na b’ fhaide na ’chlach ghlas, mur a biodh tu ’n sealladh. Bha mise cho trang ris an aran nach do dh’ ionndrainn mi ged nach do thill i ’s a’ mhionaid: ’s e sin a h-uile car.” “Lean Cavag a luirg gus an d’ ruig e ’chlach ghlas,” fhreagair Ailean, “An sin ruith e thall ’s a bhos, ach chaill e’n luirg gu buileach. Tha sin car iongantach.” “Saoil an robh na ceàird an rathad so?” arsa Donnachadh Mòr. “Chuala mi gu’n robh iad an àiteiginn ’s a’ choimhearsnachd; ’s cha rachainn an urras orra nach goideadh iad leanabh cho ealamh ri tunnaig.” “Cha’n fhaca duin’ againn iad an taobh so,” thuirt Seumas Camshron, “ach bidh e cho math cinnt a dheanamh de ’n ghnothach. Ma théid thusa leam, a Dhonnachaidh, tadhlaidh sinn aig a’ champ.” “Gabhaidh mise ’s mo mhac oirnn fhéin mu’n abhainn a rannsachadh;” ars’ Iain Ruadh; “tha sinn cho eòlach oirre ’s a tha sinn air ùrlar an tighe againn.” “Cha rachadh i g’ a còir an déigh a ghealltainn nach rachadh,” ars’ Eilidh. “Air a shon sin, ’s fheàrr dol ann,” fhreagair Ailean; “agus gabhaidh Cavag ’s mise am monadh oirnn; tha sinn cho eòlach air ’s a tha Iain air an abhainn. Fuirich thusa, ’Phara Bhig, le Eilidh; agus ma bheir neach againn Moileag dhachaidh roimh briseadh an latha, ni sibh falaisg a bheir sanas do na h-uile duine gu bheil i air a faotainn. Tha e cho math dhuinn falbh, ’fheara.” “Stadaibh!” ars’ Eilidh, a ruith a stigh do’n tigh. Thill i leis na bonnaich a bh’ air a’ bhòrd. Thug i bloigh do gach fear, ag ràdh;—“Bidh an t-acras air m’uan geal, [TD 16] bheir sibh greim dhi gus am faigh sibh dhachaidh i.” Chuir gach fear an t-aran ’n a phòca, agus thog iad orra air an rathaidean fa-leth. Thionndaidh Eilidh, agus Para beag, mac Sheumais gu connadh agus sgrathan a chàrnadh air mullach na creige air son teine ’chur riù cho luath ’s a bhiodh feum air. Dh’ éirich a’ ghealach o chùl nan càrn; chluinnteadh borbhanaich ìosal an uillt a’ téarnadh do’n chòmhnard; thàinig oiteag shèimh mar chagar thar an fhraoich, ach gann a’ briseadh na sàmhchair. An sin chluinnteadh, an dràsd ’s a rithis, glaodh aon no aon eile diubhsan a bha mach a’ sireadh an uain chaillte, “A Mhoileag! A Mhoileag, c’àite bheil thu!” Ach guth deth sin cha chuala Mhoileag; agus ged a chluinneadh, cha ruigeadh a freagairt orra-san a bha le mulad ’g a sireadh. [TD 17] DACHAIDH ÙR. Mu dhà mhios an déigh do Mhoileag dol air chall, bha seana mhaighdean chòir, ris an abradh iad Sìne ’n Tuairneir, ’n a suidhe taobh-a-mach dorus a tighe a’ snìomhadh. Bheireadh i sùil an dràsd ’s a rithis air a’ chuan dhealrach m’ a coinneamh; agus air monaidhean ìosal Latharna, a bha ’g éirigh air taobh eile nan dailtean mu ’n cuairt. Anns an dail aig cùl an tighe aice bha buanaichean trang le ’n corrain a’ gearradh sìos an arbhair dhìrich, òr-bhuidhe. Thàinig caileag bheag, dhonn-shùileach far an robh Sìne, le smeuran abaich aice gu cùramach ’n a sguirtein goirid, anns an robh toll an sud ’s an so. “’S ann duibh-se ’tha iad,” ars’ i, a’ tairgse nan dearc do Shìne. “Nach tu-sa ’tha laghach,” arsa Sìne, ag éirigh agus a’ cur nan dearc an soitheach. An sin thug i mach crioman arain, agus deoch bhainne do ’n chaileig, a shuidh air plocan maide taobh an doruis. “Tha sinne falbh an diugh,” thuirt i. “Am bheil? Cha tig thu tha g’ am fhaicinn tuilleadh, matà,” arsa Sìne. Cha do fhreagair a’ chaileag. Dh’ ith i ’n t-aran, agus dh’ òl i ’m bainne gu tosdach. Ach air di bhi réidh, dh’ éirich i, agus a’ leagadh a taic ri glùn Sìne, sheall i suas ’n a h-aodann agus thuirt i le dùrachd:— “B’ fheàrr leam gu ’n gleidheadh sibh-se mi; ’s toigh leam sibh.” Ghabh Sìne iongantas. “A ghaoilein, cha’n fhaod mise do ghleidheadh; feumaidh tu fuireach le d’ athair, ’s le d’ mhàthair.” “Cha leig Marsaili leam dol dachaidh!” fhreagair a’ chaileag gu muladach. “Nach buin thu do na ceàird?” “Cha bhuin.” “Cò dh’ ainm a th’ ort?” “Moileag,” fhreagair an leanabh. [TD 18] “Ach ’dé ’n t-ainm ceart a th’ ort?” dh’ fheòraich Sìne rithis. “Cha d’ thuirt iad ainm eile rium,” arsa Moileag. “Ciod ainm a th’ air d’ athair, matà?” “Ailean.” “Ailean, ciod?” “Ailean Cìobair.” “C’ àite bheil e fuireachd?” “’S a’ Ghleann.” “Ach ’dé ’n gleann?” “Cha ’n ’eil fhios agam.” Dh’ fhan Sìne ’n a tosd, a’ smuainteachadh thairis air na thuirt a’ chaileag rithe. “A’ bheil sibh dol g’ am ghleidheadh?” dh’ fharraid Moileag mu dheireadh. “Thig na ceàird an so g’ ad shireadh. Tha eagal orm ged a chuirinn am falach thu, gu ’n glaodhadh tu, na ’n tigeadh iad a stigh, agus dh’ fhaoidte gu ’m marbhadh iad mise, bhiodh iad cho feargach, agus bheireadh iad thusa leò cuideachd.” “Cumaidh mi sàmhach: cha ’n abair mi diog,” ghuidh Moileag, “tha eagal orm rompa.” “Cumaidh tu cho bìth ri luchaig, ciod air bith an straighlich a dh’ fhaodas éirigh?” “Cumaidh.” “Tiugainn matà, agus cuiridh mise ’m falach thu, ’s feumaidh sinn cabhag a dheanamh,” thuirt Sìne, a’ toirt na caileig air làimh a stigh troimh ’n bhùth bheag a bha tarsuinn air taobh stigh an doruis, agus chaidh iad do ’n chitsin. Bha aig Sìne ’s a’ chitsin, ciste mhòr mhine ris an abrar geàirneal. Bha ’n seòrsa ciste so àrd; le dà, no theagamh trì earrannan innte; roinn air son min choirce; roinn air son min eòrna, agus roinn eile air son min air bith eile ’bha dùthchasach do ’n àite; mu pheasair, no min seagaìl no pòr ’sam bi a bhitheadh air a bhleith. Rinn Sìne àite do’n chiste so ’s an t seòmar; agus dh’ fhùc an dithis aca a stigh i, a chionn bha i ach beag falamh aig an àm. An sin thog Sìne Moileag, agus chuir i ann an roinn de ’n chiste i ’bha buileach falamh. Chuir i bioran a chumail a’ bhruid gun dùnadh, gu deò anail a thoirt di; sgaoil i brata thairis [TD 19] air a’ bhrod, agus chuir i rud no dhà ’n an laidhe air, agus an sin chuir i ’n citsin an òrdugh, mar nach robh a’ chiste riamh air a gleidheadh ann. So uile deanta, thill i thun an doruis, agus thòisich i air snìomhadh. An ceann ghreis thug Sìne ’n aire gu ’n robh na ceàird le ’n asal, ’s an trealaichean a’ gluasad a nuas an rathad. Chaidh Marsaili Mhòr, le dithis de na h-oghachan leatha, gu dorus tigh an tuathanaich; an sin thàinig iad tarsuinn na dail, a’ deanamh dìreach, air tigh Sìne. Chaidh ise air aghart gu ciùin leis an t sniomh. “Am bheil sibh dol a cheannach spàin, no sgeileid uam an diugh?” dh’ fheòraich Marsaili de Shìne. “Cha ’n ’eil; tha ’n fheadhainn a cheannaich mi mu dheireadh cho math ’s a bha iad riamh.” “Dh’ fhaoidte gu ’n toir sibh làn an dùirn de mhin dhuinn, a dheanamh brochan do ’n chloinn’?” Cha robh Sìne toileach a snàth ’s a h-olann fhàgail an sin fhad ’s a bha na ceàird mu thimcheall an doruis; air an làimh eile, cha robh i toileach fearg a chur orra, gu sonruichte an uair a sheas a’ bhuidheann a bh’ air an rathad-mhòr mu choinneamh an tighe. Bha i air tì éirigh, agus dol a stigh air son gràinnean mine g’an sàsachadh, an uair a thàinig Annag an tuathanaich ’n a ruith mu’n cuairt air ceann an tighe. “O! à Shìne, ’bheil ribein agaibh air son na maighdinn-bhuana? Tha fiughair againn ris an deireadh-bhuain an nochd fhathast, tha sinn cho dlùth air a bhi réidh.” Thug so faochadh do Shìne. “Tiugainn, a Ghràidh, agus tagh ribein a chòrdas riut,” ars’ i a’ dol a stigh do ’n bhùth. Chaidh Annag a stigh còmhla rithe, agus lean Marsaili iad. Thug Sìne beagan mine do Mharsaili, agus an sin thionndaidh i gus na ribeinean a nochdadh do Annaig; ach sheas Marsaili fathast ’s an dorus: “Am faca sibh caileag de ’n chloinn againne an so an diugh?” “Cha ’n fhaca,” fhreagair Sìne. [TD 20] “Chunnaic mi i tighinn an taobh so; thàinig i ’n so na h-uile latha o’n a thàinig sinn do ’n aite; ’s iongantach mur a faca sibh i;” arsa Marsaili. “’S tha mise ’g innseadh dhuibh nach ’eil aon leanabh d’ ur cuideachd-se an so,” fhreagair Sìne gu diongmhalta. “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn facal deth!” ghlaodh a’ bhan-cheàrd, “agus cha ’n fhàg mi so gus am faigh mi a’ chaileag,” agus thill i stigh do ’n bhùth. Chuala càch gu ’n robh connspaid a’ dol air aghart; agus thàinig dithis de na ban-cheàrdan eile a nall a dh’ éisdeachd. An uair a fhuair Marsaili nach gluaiseadh trod no bagradh Sìne, dh’ at a corruich, agus a’ tilgeadh a h-eallach dhi, thuirt i:— “Chunnaic mo shùilean fhéin a’ chaileag a’ tighinn a nall thun an tighe so, agus a mach á so cha téid mi gus am faic mi c’àit an d’fhalaich sibh i.” Agus dh’ fhòirn Marsaili a stigh troimh ’n bhùth do’n chitsin, air a leantainn leis an dà bhan-cheàrd eile. B’ fheudar do Shìne seasamh air leth-taobh, gun chumhachd làmh a thogail g’ am bacadh, am feadh a bha iad a’ rùrach a’ bhùth, ’s a’ chitsin, agus mu dheireadh, a bhris iad a stigh do ’n t-seòmar. Thog i suas a cridhe ri Dia, gu’ n dìonadh e ’n t-uan beag a bha ’crùban ’n a h-àite-falaich, agus gu ’n cuireadh e cobhair g’ a h-ionnsuidh an àm a h-airc. Bha fiughair aice a h-uile prioba, glaodh Moileig a chluinntinn. Ach ’s ann a bhris air a’ cluais guth an tuathanaich, a bha le ’ghillean a’ taomadh a stigh do ’n bhùth, agus thuit i air ais am paiseanadh ’s a’ chathair-mhòir a bh’ air a cùlaobh. [TD 21] NA CHUIR SÌNE ROIMPE. An uair a thàinig Sine gu mothachadh, bha Annag an tuathanaich a’ cromadh thairis oirre, an trioblaid m’ a déidhinn. “Ciod a th’ air tachairt? C’àite bheil mi?” dh’ fheòraich i, a’ suidhe suas. “Cha ’n eagal duibh a nis; tha sibh air tighinn chuige;” ars’ Annag le toil-inntinn: “Bha eagal orm nach robh sibh dol a dhùsgadh tuilleadh;” agus chum Annag an t-seann làimh mhìn ’n a làmhan beaga fhéin, ’g a slìobadh gu tlus-mhor. “Seadh, seadh, tha cuimhn’ agam a nis,” arsa Sìne, “bha ribein a dhìth ort: trobhad ’s gheibh thu e.” “Coma leibh an ribein an nochd!” ars’ Annag; “Tha na béisdean sin air falbh, agus faodaidh sinn ar n-ùine ’ghabhail.” “Seadh, ciamar a thàinig d’ athair dìreach ’s an àm cheart; innis domh na h-uile car,” arsa Sìne, aig a’ cheart àm a’ dol do ’n bhùth, agus a’ nochdadh nan ribein do Annag; a chionn bha a h-inntinn air Moileag, agus fadal oirre faighinn g’ a h-ionnsuidh. “Ruith mise do ’n dail, far an robh m’ athair, agus dh’ innis mi dha gu ’n robh na ceàird a’ dol a ghoid na bha ’s an tigh agaibh, agus thàinig e leis na gillean an tiota, ’s cha do thill iad fhathast o fhuadach nan ceàrd as an àite.” “’S tusa, ’Ghràidh, a rinn an tùrn math dhomhsa ’n diugh. Bheir thu leat an ribein so,—’s e ’s bòidhche ’nam measg uile—’s cuiridh tu air a’ mhaighdinn-bhuana e, mar chomharradh beag air an taingealachd a tha lìonadh mo chridhe an diugh. A nis, falbh is innis do d’ mhàthair gu bheil a h-uile cùis gu math,—tha i trang, agus cha ’n fhaod i feuchainn ri tighinn a nall an nochd.” [TD 22] Cha luaithe ’fhuair Sìne Annag as an rathad na ’ghreas i do ’n t-seòmar. Thilg i ’m brata bhàrr brod na ciste; thog i Moileag a suas eadar a dà làimh, agus ghlais i gu teann ri ’broilleach i. “Cha ’n fhaigh iad tuilleadh mi,” arsa Moileag. “Cha ’n fhaigh a ghaoil bhig, ’s iad nach faigh,” fhreagair Sìne, a deòir a’ sileadh. “Feumaidh sinn an aire ’thoirt, air a shon sin. Cho luath ’s a gheibh thu do bhrochan théid thu laidhe; ’chionn thig cuidéiginn a dh’ fharraid ciamar a tha dol domh, agus cha ’n fhaod duine d’ fhaicinn, air eagal gu ’m faigheadh na ceàird fios gu bheil thu so,” agus chaidh Sìne mu dheanamh a’ bhrochain. Cho luath ’s a chuir i Moileag a laidhe, thug i a’ chuibheal a stigh, chuir i ’n crann air an dorus, tràth ged a bha e ’s an fheasgar, agus chroch i brata tarsuinn air an uinneig. Las i ’n crùisgein, agus thòisich i air càradh aodach Moileag. Cor uair, an déigh tarruing a thoirt air an t-snàithne cho fada ’s a rachadh e, stadadh an làmh sìnte mar a bha i, agus bhiodh sùil Sìne a’ dearcadh gu dil air cùl a’ ghealbhain, mar gu ’u robh a smuaintean fad’ air falbh. “Seadh,” ars’ i mu dheireadh’, an cagar rithe fhéin,” ’s e sin an aon dòigh air a’ ghnothach; m’eudail bheag,” ars’ i, a’ tionndadh an taobh a bha Moileag ’n a suain air an leabaidh, “cha ’n fhaod sinn cunnart ’sam bith a ruith, air eagal gu ’m faigh iad a mach mu d’ dhéidhinn.” An sin chaidh i ris a’ chàradh le dlùith gus an robh e crìochnaichte. ’S gann a chuir i ’n t-aodach ás a làimh na ’bhuail cuideiginn aig an dorus. Thug Sìne leatha ’n crùisgein, chaidh i troimh ’n bhùth, a’ dùnadh dorus a’ chitsin ás a déigh. “Cò tha sin?” ghairm i, gun an crann a thoirt bhàrr an doruis. “Do charaid, Iain Dòmhnullach,” fhreagair guth a bu mhath a b’ aithne dhi, agus dh’ fhosgail i ’n dorus gu toileach do Iain, ach cha d’ thug i seach am bùth e. [TD 23] “Ciamar a tha thu ’g ad fhaireachduinn an déigh an sgànraidh a fhuair thu? dh’fharraid Iain gu càirdeil. “Tapadh leats’, Iain, cha ’n ’eil nithean orm a nis.” “’S ann a shaoil leam gu ’n robh ’n solus ás, gus an d’ thàinig mi ’chòir na h-uinneig; ’s cha b’ urrainn domh dol dachaidh gun tadhal a dh’ fheòraich ciamar a bha thu. Cha chuala mi riamh a leithid;—ionnsuidh a thoirt air tigh a spùinneadh ’an geal an là-sholuis! Nach feàrr duinn té de na h-ingheanan a chur a nall gu cadal leat an nochd?” “Tàing dhuitse, Iain, ach cha ’n ’eil feum ’s am bith air.” “’S i mo bharail,” fhreagair Iain,” “nach bi feum agad oirnn an iomadh latha so; thug sinn cuidhteachadh do na béisdean nach dì-chuimhnich iad ’an ealamhachd; ach a bheil thu cinnteach nach b’ fheàird’ thu cuideiginn leat an nochd?” “Bha thu riamh cneasd’, Iain, agus ’s math dhomhsa gu ’n robh thu fhéin ’s do ghillean cho dlùth orm an diugh:—Ach, tha e air tighinn fodham gu bheil e cho math dhomh ’n t-àm so ’ghabhail gu dol a dh’ fhaicinn mo chàirdean aig Eisdeal. ’S fhad’ o ’n a gheall mi dol ann.” “Tha mi ’creidsinn gu ’m biodh e glé fhreagarrach,” ars’ Iain, “chuireadh e ceart thu ’n déigh na thachair. C’ uin a bhiodh tu air son falbh?” “Dh’ fhaodainn falbh tràthail am màireach, na ’m biodh Peigi cho math ’s té de na h-ingheanan a chur a nall uair ’s an latha, a bhiadhadh nan cearc, ’s a thoirt bainne do ’n chat,” fhreagair Sìne. “Ni Peigi sin gu toilichte; ’s tha mi ’n dòchas gu ’m bi latha math agad air son do thuruis: tha ’n t-sìd gealltanach.” “Agus latha math dhuibh-se air son na deireadh-bhuain agaibh; thàinig moille an diugh ris nach robh fiughair;” thuirt Sìne. “Cha dean sin coire ’sam bith, ni uair no dhà an uaireadair crìoch a chur air am màireach. Ach tha e cho math dhomh bhi falbh; ma tha thu ri moch-éirigh a dheanamh, [TD 24] bidh tu gabhail tràth gu fois. Oidhche mhath leat!” agus, le crathadh cridheil d’ a làimh, dh’ fhalbh an tuathanach. “Iain còir!” arsa Sìne, an déigh an crann a chur air an dorus, agus tilleadh do ’n chitsin, “Iain còir! tha e cho cealgach coltas leam gun smid a ràdh ris mu ’n chaileig! Ach na ’m biodh fios aige-san uimpe gheibheadh a bhean fios; agus na ’m biodh fios aig Peigi uimpe gheibheadh tuilleadh na ise fios; agus cha chuir mi ’n comas neach air an talamh brath a thoirt do na ceàird gu ’m bheil an leanabh an so; seachnaidh mi ’n cunnart sin!” Ag ràdh so, rinn i na h-uile ni deas air son na maidne, agus ghabh i gu fois. [TD 25] AN TURUS GU EISDEAL. Mu ’n robh duine air ghluasad mu ’n bhaile, thog Sìne air an rathad gu Eisdeal, le Moileag a’ trotan aig a taobh. An toiseach, ghabh i frith-rathaidean am measg nan cnoc, á sealladh nan tighean, gus an robh iad ás a’ choimhearsnachd. Le aodann glan, a falt air a chìreadh, agus a h aodach pongail, cha b’ ionann coltas Moileig an diugh seach an loirceag luideagach a thàinig an dé gu tigh Sìne ’n Tuairneir. ’S gann a dh’ aithnicheadh na ceàird fhéin i. Bha i cho sona ris na h-eòin bheaga ’bha measg nam preas; agus cho bòidheach ris na flùragan, geala, is gorma, is buidhe, a bha ’togail an cinn ris an t-solus, ’s iad fathast fliuch leis an driùchd. Cho luath ’s a bha iad astar fada gu leòir ás an rathad air luchd-eòlais, rinn Sìne air a socair, agus thuirt i ri Moileag:—“Tha mi dol a’ ràdh rud-éiginn riut, agus feumaidh tu aire a thoirt do na h-uile facal—Am bheil thu ’g èisdeachd, a nis?” arsa Sìne le dùrachd. “Tha!” arsa Moileag, ag amharc suas ’na h-aodann. “’S am bheil thu dol a thoirt feairt orm?” “Tha!” An sin thuirt Sìne:— “Mur ’eil thu toileach gu ’n tig na ceàird ’s gu ’n toir iad leò thu rithis, air na chunnaic thu riamh na h-abair aon fhacal timcheall orra ri duine ’sam bith:—Bheil thu tuigsinn?” “Tha,” arsa Moileag. “Ma dh’ fheòraicheas neach air bith dhiot, cò ás a thàinig thu, abair gu bheil thu fuireach le Sìne ’n Tuairneir. Ma their iad dad tuilleadh riut, abair, farraid de Shìne,’—An cuimhnich thu sin?” “Cuimhnichidh.” [TD 26] “’S ann los nach faigh na ceàird greim ort a rithis a dh’ fheumas tu cumail cho bìth mu na h-uile ni a thachair. Am bheil thu ’tuigsinn?” “Tha!” fhreagair Moileag a rithis. Bha ’ghrian a nis àrd ’s an speur, agus bha ar luchd-turuis air an cois tràth. Mar sin, chaidh Sìne bhàrr an rathaid, sìos gu lagan feurach, an àite creagach os ceann an loch. Cladach cha robh ann, ach, stallachan corrach, ag éirigh as an t-sàile dhorcha uaine, a bha tighinn le luinn a stigh m’am bun. Air na bruachan cas, agus na leacainn bha gabhair bhàna a’ creimeadh an fheòir ghoirid. Bha ’n lagan a dh’ ionnsuidh an do threòraich Sìne Moileag làn flùragan buidhe, ’s geal, le gille-guirmein thall ’s a bhos ’n am measg. Thug Sìne air Moileag suidhe air toman uaine. An sin dh’ fhosgail i làmh-anart grinn, anns an robh aran, càise, agus dà ubh bhruich air am pasgadh. Thug i ubh, agus aran do Mhoileig, agus dh’ ith iad gus an robh iad sàsuichte. Dh’ ol iad deoch as an alltan a bha ruith troimh ’n lagain, agus a bha ’leum, beagan shlatan uapa, do ghlaic a’ chuain. Cha do dhì-chuimhnich Moileag riamh an latha sin. Gus an latha mu dheireadh d’ a beatha bha e uile m’ a coinneamh mar aig an àm a thachair e. Bha e uile fa chomhair a sùilean; an cuan mòr farsaing, na creagan corrach, àrd; na gabhair; na flùragan, na h eòin-mhara; agus a’ ghrian a’ sgaoileadh a soillse thairis orra uile. Air an latha sin dh’ innis Sìne dhi mu Athair nèamhaidh a bha gabhail cùram dhi, ann a bhi toirt ban-charaid di a ghabhail cùram mhath dhi. Dh’ innis Sìne dhi gu’m b’e Dia a rinn ise, agus mar an ceudna na cnuic, agus an loch, agus na flùragan rionnagach a bha ’nan grioglachain mu’n casan; agus gu’m b’ esan ar n-Athair caoimhneil math. An uair a leig iad an anail dh’ éirich iad agus theann iad ás-ùr air an turus. [TD 27] Ruig iad Eisdeal mu’n d’ thàinig am feasgar. An déigh mu mhìos a chur seachad an sin, thill Sìne dhachaidh, a’ toirt Moileag leatha. Ghabh muinntir ’n am beachd gu’m b’ ogha d’a caraid an Eisdeal a bh’ innte; bha e ro fhreagarrach ’n an sùilean gu ’n toireadh i caileag a chumail cuideachd rithe; agus cha do chuir Sìne ás am beachd iad. Dh’fhuirich Moileag le Sìne gus an robh i ’n a caileig mhòir mu cheithir-bliadhn’-deug a dh’ aois. Mu’ n àm sin bhris air slàinte a deagh bhan-charaid. B’ fheudar do Mhoileag dol an dara uair do Eisdeal, ach air an tró so b’ ann a dh’ iarraidh an léigh a chaidh i. An déigh do ’n léigh tighinn, agus falbh, ghairm Sìne Moileag gu taobh a leabaidh. Rug i air làimh oirre agus thuirt i rithe:— “A ghràidh, tha eagal orm nach bi sinn a bheag na ’s fhaide còmhla. Tha thu mar mo leanabh fhéin dhomh a nis; ach feumaidh sinn dealachadh. Dh’ innis mi do ’n léigh na h-uile car mar a thàinig thu ’n so, agus ghuidh mi air sealltainn as do dhéigh an uair nach bi mis’ agad. Gheall e do ghabhail a stigh ’na theaghlach fhéin mar shearbhanta; mar sin tha mi aig fois mu d’ thimcheall.” Chaoin Moileag gu goirt an uair a chual’ i so. Chum i oirre fhéin, air a shon sin, an déigh a cheud bhreathail a thàinig oirre, seach trioblaid a chur air Sìne; agus thug i ’n aire dhi cho math ’s a b’ urrainn di. An ceann ùine ghoirid chaochail Sìne; agus bha mulad a cridhe air Moileag an uair a chaidh a càradh ás a sealladh ’s a’ chladh. “Le duilichinn dh’ fhàg i ’n tigh far an robh i cho sona, agus lean i ’n léigh a dh’ ionnsuidh a thighe an Eisdeal, far an d’ fhuair i dachaidh thèaruinte. Bhiodh i mu dhà bhliadhna ’n so an uair a thàinig fear-pac a stigh do’n chitsin, latha bha ’n sin. Thilg e ’m pac air a’ bhòrd ag ràdh:— “So mo chaileag bhòidheach, ’dé tha thu dol a cheannach uam an diugh?” agus dh’ fhosgail e mach am bathar, [TD 28] ’g a sgaoileadh air a’ bhòrd. Thug Moileag sùil ealamh air an duine; thàinig rugha ’n a gruaidh, agus thuirt i:— “Leigidh mi fios gu bheil sibh a stigh;” agus chaidh i far an robh an léigh ’n a shuidhe ’s an t-seòmar-sgrìobhaidh. Le fiamh ’n a gnùis thuirt i ri a maighstir,—“Am bi sibh cho math ’s tighinn a so;—tha m’ athair ’s a’ chitsin!” “D’ athair! A bheil thu cinnteach? ars’ an léigh. “Tha, cho cinnteach ’s a ghabhas mi ’bhith!” Le so, lean a maighstir Moileag do’n chitsin. [TD 29] NAIGHEACHD A’ MARSANTA-PHACA. Bha ’m marsanta-paca ’n a shuidhe air oisinn a’ bhùird an uair a thill Moileag do ’n chitsin le a maighstir. “Tha latha math ann! ars’ an léigh mar fhàilte. “Tha sin ann;” fhreagair an duine a’ téarnadh o ’àite-suidhe. “Cha ’n ’eil cuimhn’ agam air sibhse fhaicinn an so roimhe,” ars’ an léigh, ag amharc gu dil an aodann a’ choigrich. “Tha mi creidsinn sin; ’s e so a’ cheud uair a thàinig mi do ’n cheàrna so.” “Am biodh e mì-mhodhail dhomh fharraid, cò ás a tha sibh?” dh’ fheòraich an léigh. “Tha mi á Gleann Eilde; cò-dhiùbh ’s an a sin a b’ àbhaist dhomh bhi fuireach.” “Agus ’ur n-ainm?” “Ailean Mac an t-Saoir.” Gus a so bha Moileag a’ gabhail oirre ’bhi trang m’ a h-obair; ach air an ainm “Ailean” a chluinntinn, dhlùthaich i ris an dithis a bha bruidhinn; ach thog a maighstir a làmh, agus chum i oirre fhéin. “Thuirt sibh gu ’m b’ àbhaist duibh fuireach an Gleann Eilde;—ciamar a dh’fhàg sibh e?” “Tha naigheachd fhada mu thimcheall sin,” fhreagair Ailean, “agus cha b’ ann an dé a thachair an rud a thug orm an obair fhalbhain so a ghabhail os làimh.” “Seadh?” ars’ an léigh; agus chaidh Ailean air aghart:—“Matà, o ’n a tha sibh toileach fios fhaotainn mu’n chùis, innsidh mi dhuibh o thoiseach e. Tha dlùth air dusan bliadhhna o’n a chaill mi caileag bheag, mu chòig bliadhna dh’aois. cha robh fhios againn an toiseach ciod a thàinig rithe, ach fhuair sinn brath, an déigh ùine, gu’n do ghoid na ceàird i; mar sin, ghabh mi-fhéin agus bràthair dhomh [TD 30] an obair so, los gu’n toireadh e cothrom dhuinn a’ chaileag a shireadh, agus aig a’ cheart àm ar lòn a chosnadh. “Bha mi cinnteach gur sibh a bh’ann!” ghlaodh Moileag gu h aoibhinn.” “A bheil mo mhàthair gu math? C’àit a bheil i?” Cha robh feum air tuilleadh ceasnachaidh. ’S ann a b’ àill leam a ràdh gu ’m b’e Ailean a thòisich air ceisdean a chur, ged nach b’ urrainn da aon fhacal a ràdh aig a cheud toiseach. Cha d’rinn e ach spleuchdadh le iongantas o aon gus an aon eile. “So, so!” ars’ an léigh ri Moileag, “Thoir greim bìdh do t’ athair agus fàgaidh mi leibh fhéin sibh gus an cuir sibh eòlas air a chéile. Dh’ aithnich Moileag sibh,” ars’ e ri Ailean, “cho luath ’s a thàinig sibh taobh stigh an doruis.” Agus dh’fhalbh an duine cneasda, a dh’innseadh an sgeòil d’a bhean. An déigh do iongantas Ailein siòladh; an déigh dha ’ghabhail a stigh gu’m b’ i so da rìreadh a leanabh, air sgàth an d’rinn e iomadh turus sgìth an dìomhain; thuirt e ri Moileag:— “Nach i do mhàthair a bhiodh sona an latha so fhaicinn!” “’Seadh,” arsa Moileag, “ciamar a tha mo mhàthair, agus c’àite bheil i?” “’S fhada o ’n a chaidh a tasgadh ’s an ùir, an dùile bhochd. Bhris e ’cridhe thusa chall. Mar a thuirt mi cheana, cha robh fhios againn an toiseach ’dé bh’ air tighinn riut. Bha ise air a h-oillteachadh gu’n deachaidh tu air seachran air a’ mhonadh. An uair a thigeadh stoirm bheireadh e crith oirre, air eagal gu’n robh thusa mach a’ fulang. An uair a thàinig sneachd is reòtachd rachadh i m’ a h-obair a’ caoineadh.” Ach ciamar a fhuair sibh fios orm?” dh’fharraid Moileag; “Cò dh’innis duibh gu’n do ghoid na ceàird mi?” “Duine laghach, a thadhail air a rathad gu Inbhirnis. Thug e’n aire do’n mhulad a bha ’n aodann do mhàthar, [TD 31] agus dh’fheòraich e ciod a bha cur oirre. Dh’innis i dha mar a thachair dhuit-sa; agus nach d’fhuair sinn brath riamh ort.” “C’uin a chaill sibh an leanabh?” dh’fharraid an duine. “Toiseach an fhogharaidh air a’ bhliadhna so ’chaidh.” “Bha mise,” ars’ an coigreach, “a’ tighinn thairis air monadh dlùth air an àite so aig an àm sin. Thachair mi air buidheann de na ceàird a’ dol tarsuinn air a’ mhonadh, an rathad eile. Thàinig a’ chlann mu m’ thimcheall a’ sireadh sgillinn; agus thug mi’n aire do chaileag bheag a bha cho neo-choltach ri càch gu’n do ghabh mi beachd oirre: Bha sùilean donn aice, agus bha a falt donn, agus a craicionn glan. Cha ’n ’eil teagamh agam nach b’ i Moileag agaibhse bh’ann.” “’S i dìreach a bhiodh ann! Ach ciamar a théid sinn g’ a sireadh?—Is cìobair bochd an duin’ agam?” Chum an duin’-uasal ’n a thosd, a’ breithneachadh. “Eisd riumsa,” ars’ e mu dheireadh, “Tha caraid agam a tha ’na mharsanta mòr. Sgrìobhaidh mi g’a ionnsuidh, agus bheir e de bhathar na dheanadh suas pac. Ma tha ’n duin’ agad toileach dol mu’n cuairt na dùthcha a reic an stuth, faodaidh e ’m bhathar a phàigheadh a chuid ’s a chuid a réir ’s mar a théid aige air. Air an dòigh so chothaicheadh e ’ur lòn, agus rachadh e o cheann gu ceann de’n dùthaich a’ sireadh an leinibh. Ciamar a dheanadh sin?” Gu sgeul goirid a dheanamh dheth, ghabh sinn gu taingeil ris an tairgse; agus ghabh mo bhràthair òg air fhéin mo shaothair a phàirteachadh. Tha esan a’ dol gu aon roinn de’n dùthaich, agus mise gu roinn eile. Rinn e do mhàthair sona an uair a ràinig am bathar, agus a theann sinn a mach leis a’ cheud luchd. Rinn e dòchas fhadadh ’n a cridhe; ach bha e tuilleadh ’s anmoch gu slàinte aiseag dhi. Air domh tighinn dachaidh o m’ cheud thurus, bha mùthadh mòr ri fhaicinn oirre. [TD 32] Rinn i fèith-ghàire an uair a chunnaic i ’m pac. “Gheibh thu i uair-éiginn,” ars’ i. “Na toir suas an tòir gus am faigh thu i ged a shiubhladh tu gach srath agus gleann ’s an rìoghachd Cha ’n fhaic mis’ i air an taobh so ’n uaigh; ach treòraichidh Dia do cheum d’ a h-ionnsuidh, agus bidh i dhuit ’am àite-se.” “Mo mhàthair bhochd!” arsa Moileag, na deòir a’ sruthadh gu frasach. “Cha robh e fada ’na dhéigh sin an uair a chaochail i. Mu ’n do thog mo bhràthair is mise ar n-eallach air ar druim a rithis, chaidh sinn do’ n chladh a dh’ fhàgail beannachd aice. Chuir sinn oir de neòineinean cladaich mu ’n uaigh, agus sreith de chlachagan geala mu ’n cuairt oirre. Bha sinn air tì falbh, an uair a’ dh’éirich uiseag o’n fheur, cha mhòr aig ar casan. Dh’éirich is dh’éirich i ris an speur, a’ taomadh tuil de cheòl as na nèamhan gus an do chaill sinn sealladh dhi. Cha ’n ’eil fhios agam c’ ar-son ach thug e faochadh, is toileachadh dhomh. Riamh o’n àm sin, tha mo bhràthair agus mise a’ coinneachadh uair ’s a’ bhliadhna aig an uaigh ’an cladh Ghlinn Eilde. Tha sinn a’ còrdadh le chéile thairis air gach turus a ghabhas sinn fad na bliadhna air thoiseach oirnn. Bidh tusa leinn an ath uair a théid sinn ann. Thig thu leam, is ni sinn ar dachaidh aon uair eile ’an Gleann Eilde!” “’O, ’Athair, ’s ann a thig sibhse dh’fhuireach an so! Ciamar a b’urrainn domh an t-àite so fhàgail, ’s na h-uile duine cho caoimhneil rium! Bhitheamaid ’n ar coigrich ’an Gleann Eilde nis. Tha sibhse cho cleachdta ri bhi air falbh ás gur ann a thig sibh a dh’fhuireach an so. Cha ’n ’eil mo mhàthair an sud gu fàilte ’chur oirnn ged a rachamaid ann. C’ar son a rachadh sibh tuilleadh a mach air feadh na dùthcha? Fhuair sinn a’ chéile; fanaibh an so fhéin agus deanaibh ’ur dachaidh an Eisdeal.” Agus rinn a h-athair dìreach mar a dh’iarr Moileag air. [TD 33] MORAG NA H-AIRIGH MHEADHOIN. Na blàran a tha prìseil, ’S na fàsaichean ’tha lìonmhor, O, ’s ait a leig mi dhìom iad; Gu bràth mo mhìle beannachd leò! Cead deireannach nam beann. AN Apuinn Mhic Iain Stiùbhaird, shuas air druim feuraich, eadar Beinn Donn agus Beinn Sgliuthach, tha seann làrach tighe ri fhaicinn, ris an abrar An Làrach Mheadhoin. Tha gach bliadhna ’cur sgrath ùr de’n chòinnich air a’ bhalla bhriste; tha’n tobar tachdte le luibheannach; tha na blàithean gàraidh air fàs fiadhaich o chionn fada, ach tha a chraobh uinnsinn, fo’n do chluich a’ chlann, fathast a’ sgaoileadh a geugan thairis air an tom; agus chithear gu soilleir iomairean nan croitean air an do chinn an t-arbhar anns na bliadhnachan a dh’fhalbh. Theireadh duine gu’m b’ àit’ air leth aonaranach e gu fantainn ann; ach tha e cho àrd am measg nam beann gu’m bheil sealladh farsuing ri fhaotainn uaith, air muir is tìr; sealladh a thoirt togail air cridhe duine. Mu’n cuairt tha cuideachd fhlathail nam beann. Ris an iar-thuath tha Beinn Bheithir, le Sgùir Dhearg agus Sgùir Dhòmhnuill ag amharc tarsuinn air an t-Srath, agus, le Fraochaidh, a’ druideadh a stigh Ghlinn Dùbhrar. Tha’n Linne Sheileach, [TD 34] mar sgàthan airgid a’ sìneadh a null gu Aird-ghobhar. Tha Beinn Sgliuthach a’ falach na Morbhairne; ach thairis air cùl Liosa-mòire chithear an Linne Mhuileach, leis an Dorus Mhòr ris an iar-dheas. Aig ìochdar Latharna tha bideinean Dhiùra ag éirigh, mar neula liath-ghorm, far am bheil muir is speur a’ coinneachadh, bile ri bile. Na ’s dlùithe làimh, air taobh deas an t-Sratha tha monadh nan Arda, ìosal, fraochach, le ceann agus gualainn Beinn Bhreac; ach tha Beinn Donn a’ tighinn eadar sinn agus Loch Creuran, a tha mar abhainn a’ ruith a suas aig an casan. B’ann an so, ma tà, a bha dachaidh Iain Mhic Labhrainn. Cha robh Iain a bheag thairis air an fhichead an uair a lean e Fear Ionbhar-na-h-Oighle fo bhrataich a’ Phrionnsa. An déigh Blàir Chùil-fhodair, shèap gach fear a fhuair an cothrom, dhachaidh. Dh’ fhalaich Fear Ionbhar-na-h-Oighle e fhéin an uaimh dlùth air an tigh aige, far an do chuir e seachad a cheud ghreis. Thug Stiùbhardach Tigh na h-Apunn air an Leabaidh-fhalaich anns a’ chreig mhòir os cionn nan Dailean, far nach robh companas aige ach sgreuchail chomhachag agus chat-fiadhaich. Ach dh’ amais Iain MacLabhrainn air tilleadh gu tigh ’athar, a chionn nach robh e de inbhe cho àrd gu’m b’fhiach e ’n t-saothair sealltuinn tuilleadh’s mionaideach as a dhéigh: agus a bhàrr air sin, bha’n tigh aca cho fad’ ás an rathad shuas am measg nam beann. Bha Iain dèanadach, glic, agus fhuair e obair bho shean Bhan-tighearna Tigh na h-Apunn, a bha’n tigh Ghlinne Stocadail. B’ann air a son a thogadh an tigh, an uair a thug an t-oighre a bhean òg dhachaidh. Air do ’athair caochlaidh, chum Iain an dachaidh suas air son a mhàthar. Ri ùine, phòs e nighean chruinneil, thapaidh de mhuinntir Chille Mhàrtainn, a bha ’ga cosnadh an Tigh a’ Ghlinne. Thàinig leis na bliadnachan ceathrar chloinne, a lìonadh an tigh le sunnd agus sòlas. Aonarach ged a bha ’n àite-còmhnuidh cha robh dìth no deireas air an teaghlach. Dh’fhoghainn olann nam beagan [TD 35] chaorach a bh’ aca gu clò agus cùbhrainn a chur umpa. Thrus iad an cnotal agus na lusan leis an do dhathadh an olann bhàrr nan clach, agus o’n choille m’an timchioll. Shnìomh agus chrois na mnathan an snàth; agus thug bean Iain e thun Alasdair figheadair, a bha fuireach aig a’ Mhàs. An sin bha latha cridheil aca, an uair a thainig mnathan an t-Srath thun an luadhaidh. B’iadsan a bha mòr asda fhéin an uair a thàinig an t-aodach— Brionnach, ballach, ciatach, Triùchanach, stiallagach, gathach— dachaidh bho’n Tàillear; a chionn cha robh snicean deth nach robh air oibreachadh le meòir luchd an gaoil, no corragan coimhearsnaich an gràidh. Chuir e blàthas air corp agus cridhe. Cha robh duine ’g an còir; gidheadh, cha robh dìth bìdh orra. Chum am mart, agus na gabhair ìm, is càise, ’s bainne riù; ghléidh cearc an dùnain iad an uibhean; bha’m bricean an Lochan-Bhlàr-nan-Lochan aca air son dol g’a iarraidh; bha’n cuid aca, gun mhaoidheadh, de’n mhaighich ’s de’n choileach-fhraoich; agus, aig àm ainneamh, bha caora ann a thoirt daibh an deagh phoit chàil, agus taigeis, agus maragan. Cha robh dìth connaidh orra; oir bha ’n t-àite mòine cùl a’ chnuic, agus cha robh bacadh orra crann a thoirt á coille, a chionn bha gu leòir ann agus ri sheachnadh. Rinn guth fonnar nan allt, agus srann tiamhaidh na gaoithe ceòl daibh; dheothail iad slàinte ’stigh leis gach anail de àileadh fìor-ghlan mullach nan càrn. Ciod tuilleadh a bha dhìth orra? Bha saibhreas aca ’nan slàinte, bha iad sona ’na chéile, agus beannaichte ann a bhi làn-riaraichte le’n crannchur iriosal. Ach c’àite ’m bheil an speur air nach tig neul! Mar a dh’ éireas an tiota, cùl na Morbhairne, na baidealan tiugha, agus a thig iad a nall air sgiathan na gaoithe gu sgaoileadh thairis air an t-Srath, thàinig na neòil throma thairis air an dachaidh chaoimh so. Cò-dhiùbh b’ ann an lùib na chaidh e troimh, am Bliadhna Theàrlaich, a fhuair Iain a chneadh, no [TD 36] thàinig i á rathad éiginn eile, cha ’n ’eil fios air, ach bhris air a shlàinte, agus b’ fheudar dha ’n leabaidh a ghabhail. Rinn a mhàthair deoch dha de ’n trì-bhileach, gu neart agus géiread a chur ’na stamaig; thug a bhean bainne blàth dha moch is anmoch, ach a dh’ aindeoin gach cungaidh-leighis a chaidh fheuchainn, cha robh e ’dol am feabhas. Mu dheireadh b’ fheudar fios a chur air an lighiche. Thàinig an duine còir air an t-seann làir bhàin. Chaidh e troimh gach rannsachadh feumail, dh’ fhàg e rud le ainm neònach ’s le blas fiadhaich, d’ an robh Iain ri dusan boinne a ghabhail an déigh a bhìdh trì uairean ’san latha; ’s an sin dh’ fhalbh e. Chaidh bean Iain ceum leis a sìos am bruthach agus chuir i iomadh ceist air. Dh’ innis e dhi, air dòigh cho caoimhneil ’s a dh’ fhaodadh e gu’n robh làithean Iain air an àireamh; gu’m faodadh e falbh gun tuilleadh rabhadh mu’n rachadh mòran sheachduinean thairis. Cha d’ thuirt bean Iain diog; ach thill i thun an tighe le cridhe mar chloich, bha ’m buille cho goirt nach robh mothachadh tuilleadh aice air cràdh. Chaidh i mu ’h-obair mar neach am bruadar. Thàinig a’ cheathrar bheaga a steach a’ glaodhaich an acrais. Chuir i ’mhin air a’ bhrochan, ’s thug i ’n suipeir do’n chloinn. Chaidh i ’mach ’s leig i ’m mart; ’na dhéigh sin chuir i ’chlann a laidhe. Bha Iain sàmhach, mar gu’n robh e fhéin air tuiteam ’na chadal; agus shuidh na mnathan, té air gach taobh de’n teallaich. Thug a mhàthair sùil a nunn air an leabaidh, ’s dh’ fheòraich i ’n cagar,—“Ciod a thuirt an lighich?” “Cha d’ thubhairt a bheag; ach ’s leòir e!” ars’ an té eile, a’ toirt crathaidh air a ceann. “Mo thruaigh!”—ars an t-seana-bhean—“cha d’ fhairich sinn gus a nis ciod è ’bhi cho fad’ á rathad choimhearsnaich.” “Tha Ni Math cho dlùth oirnn an so ’s a tha e ’n àit’ eile.” “Tha sin fìor—ach nach fheàrr dhuit fios a chur thun do bhràthar?” [TD 37] “Cò uime ’tha sibh a’ cagarsaich mar sin?” dh’ fharraid am fear a shaoil iad a bha ’na chadal. “Cha’n ’eil dad, a ghràidh!” ars’ a mhàthair. Ach fhuair Iain a mach an fhìrinn mu’n do chaidil e. Air feasgar an ath latha ghairm e a chlann timchioll air, agus bhruidhinn e riù gu h-athaireil, a’ toirt comhairle orra a bhi ùmhal, gaolach mu ’m màthair ’s an sean-mhàthair, agus laghach ri chéile; ach cha robh an dithis a bu lugha de inbhe mòran de na thubhairt e ’thuigsinn. Mar sin air làth’ eile, ghabh e ’n cothrom, earail shònruichte a thoirt do ’n chaileig a bu shine, an uair a bha iad leò fhéin. Thug e sparradh oirre ’bhi fìrinneach, onoireach anns gach cùis. “Tha thu nis naoi bliadhna dh’aois,” ars’ e—“Cha’n fhada gas am bi thu deas air son do chosnaidh. Feuch gu’n toir thu ’h-uile sgillinn de d’ thuarasdal do d’ mhàthair, oir bidh feum aic’ air. Na dèan gu bràth droch bhuil de ’n airgead a gheibh thu. Tha cridhe blàth agad; ach tha thu bras ’nad nàdur, agus mur gabh thu agad fhéin an àm, faodaidh do bhraise trioblaid a tharruing ort. ’S e sin an aon iomagain a tha orm do d’ thaobh. Tha fios agam gu’m bi thu tapaidh air chùl na h-oibhre; ach, biodh caileag a daidi glic, cùramach, math anns gach dòigh, a’ cur deagh eisimpleir air thoiseach air a’ chlann a ’s òige. Cuir do dhòchas, mo leanabh, an Athair an dìleachdain; tha mi ’g ’ur fàgail uile gu leìr air a chùram-san.” Thilg Mórag i féin air uchd a h-athar; agus leis na deòir a’ sileadh gu frasach, gheall i ’bhi ’na caileig mhaith daonnan, agus na h-uile ni a b’urrainn dith a dheanamh air son a màthar, agus air son chàich. Thachair so uile mu thoiseach an Earraich. An uair a bha na bruthaichean buidhe le sòbhragan, chaidh Iain a thìodhlacadh anns a’ chladh aig ìochdar Choire-na-h-Annait. ———— Bha bràthair le bean Iain a thàinig á Cille Mhàrtainn thun an tìodhlacaidh. An déigh do gach gnothuch a bhi [TD 38] thairis, agus an tigh a bhi sàmhach, dh’ fharraid e d’ a phiuthair ciod a bha i ’m beachd a dhèanamh. Chuir ise a comhairle ris, an innseadh dha na bha ’na h-inntinn. Bha màthair Iain comasach gu leòir air an aire ’thoirt air an dithis a b’òige de’n chloinn; ach bhiodh feum air aon de’n dithis a bu shine gu dol ás déigh a’ mhairt, Gheibheadh ise, i féin, am pailteas oibre—air son na cuid sin deth, thilleadh i rithis a dh’ionnsuidh a cosnaidh, ’s cha bhiodh dìth air na leanabain, no air an sean-mhàthair. “Bheir mise Mórag leam, ma tà,” ars’ a bràthair: “Cha’n fhaic mi dìth oirre fhad’s a bhios e’m chomas. Cha mhisd’ an t-seana-bhean a leithid a bhi aig làimh car ghreis; agus an uair a bhios i murrach air a shon théid i thun cosnaidh.” “Ma ni thusa sin,” ars’ a phiuthar,” “bheir e luchd bhàrr m’ inntinn-sa, ’chionn tha fios agam gu’n seall thu gu math ás a déigh; agus mar a tha thu ’g ràdh, ’s fhèairrde mo mhàthair i.” Ràinig e Mórag gu math goirt an uair a chaidh innseadh dhì gu ’n robh i ri falbh le bràthair-a-màthar. “Gheall mi do m’ dhaidi gu’n cuidichinn mo mhàthair,” ghlaodh i, ’s an reachd ’na muineal. Ach air do bràthair-a-màthar a chur f’a comhair gu’n cuidicheadh i fada tuilleadh i le falbh leis-san, cha d’ thuirt i facal eile ’na aghaidh. Thàinig e ’na ceann rud a dhèanamh, a thug sòlas dhi fad iomadh latha ’na dhéigh:—Chaidh i suas gu mullach cnuic a ghabhail seallaidh air na bha ri fhaicinn mu’n cuairt. Chaidh i thun an tobair; agus a dh’ ionnsuidh na craoibh chaorainn aig a’ bhruaich; streap i fo na preasan a dh’ fhàgail beannachd aig nead a’ bhricein-bheithe; chaidh i do’n bhàthaich, agus chaoin i, le a làmhan mu amhaich na Dubh-chiùin. Ach so thairis, dh’ eutromaich a h-inntinn, agus sheall i air aghart le toileachadh ris an turus a bh’air thoiseach oirre. Bha bràthair a màthar ’s i fhéin ris an rathad a choiseachd gu Cille Mhàrtainn, a’ dol troimh Mheadar-loch agus Latharna, [TD 39] ’s a’ gabhail a sìos ceann Loch Faochain. Ach gu fortanach, fhuair iad forfhais air bàta bathair a bha ’tadhal aig Port-na-h-Apunn, air a rathad do Ghlascho. B’e seann fhear-eòlais a bh’ anns an sgiobair. Thug e Mórag agus bràthair-a-màthar cho fada ri Creignis; agus cha robh iad ro fhada a’ dèanamh an rathaid do Chille Mhàrtainn. Cha robh Mórag ach glé bheag ùine an sin an uair a b’fheudar do bhràthair-a-màthar dol dà latha bho’n tigh. Am feadh a bha e air falbh, dh’ ionndrainn an t-sean-mhàthair tasdan, a chuir i air sgeilp de ’n àmraidh; agus chuir i air Mòraig gur i ’thug leatha e. Chaidh Mórag dubh ás àicheadh. Thuirt i nach fac’ i ’n tasdan idir, gun ghuth air beantainn ris. Cha do chuir sin á beachd a sean-mhàthar nach b’i ’ghoid an tasdan. Bha Mórag air a tàmailteachadh. Bhiodh i air a nárachadh ás-ùr an uair a thilleadh bràthair-a-mhàthar, agus a chuireadh a sean-mhàthair a’ bhraide as a leth; agus, coltach gu leòir chreideadh e a mhàthair air thoiseach oirre-se. Cha b’urrainn di so a’ ghiùlan. Rinn i suas a h-inntinn am prioba. Bha piuthar-athar dhi pòsd’ an Glascho, air an robh i eòlach aig an tigh: rachadh i g’a h-ionnsuidh-se, agus dhèanadh i a beatha. Cha do reusanaich i ni mu’n chùis; cha d’thàinig teagamh no amharus thairis oirre nach faigheadh i ’n rathad. An àite dol gu buachailleachd a’ mhairt, ’s ann a thog Mórag oirre gu Ard-dhriseig. ———— An uair a thill bràthair-a-màthair, cha robh a’ chaileag air thoiseach air. Dh’innis a mhàthair dha mar a thachair. “’S ged a bheireadh i leatha e dusan uair thairis, bha sibhse tuilleadh’s cruaidh oirre;” ars’ e, “b’ fheàrr leam na fada tuilleadh a luach nach do thachair so! ’Dé ’m fios an i rinn idir e!” “A’ bhiasdag bhradach!” ars’ an t-sean-bhean: “Cò eile ’thug leò an tasdan ach i! Cha robh neach eile taobh stigh an doruis o’n a dh’fhalbh thu ach i fhéin is mise. Tha e [TD 40] ’leigeil ris gu ’m bheil i ciontach an uair a tha i air teicheadh mar a tha i!” “Cha’n ’eil mi idir cinnteach ás; ach ciamar air bith mar tha, dh’ earb a màthair a’ chaileag rium-sa, agus cha leig mi air faondradh i; bheir so turus eile dhòmh-sa do’n Apuinn.” “Chì thusa gu’m faigh thu’n sin i air thoiseach ort; bidh i air ruith dhachaidh thun a màthar gu beagan beadraidh fhaotainn!” “’S e mo dhòchas gu ’m bheil i air dol tèaruinte an sin;” ars’ a mac,—“Sin agaibh faidhrean duibh!” agus thilg e pocan pàipeir air a’ bhòrd. “A laochain, nach tu tha math! Mo bheannachd ort agus am bocsa dìreach gu ’bhi falamh!” agus lìon an t-seana-bhean am bocsa-snaoisein aice loma làn, Ach bha gràinean thairis; mar sin thug i seana bhocsa eile a nuas bhàrr sgeilp na h-àmraidh. Air dhi am bocsan fhosgladh, spleuc i air car prioba; an sin thog i a làmh chlì agus ghlaodh i,—“Och, nach mi’n òinseach! Tha ’sin an tasdan far an do chuir mo làmh fhéin e! Nach ann orm a thàinig an dìth-chuimhne!” “Ma tà ’s mise tha taingeil gu’n d’fhuair sibh e, air sgàth na caileige!” arsa Donnachadh, oir b’e sin ainm a mic. Le cho beag dàil ’s a bha comasach, rinn Donnachadh a rathad do’n Apuinn, a’ gabhail forfhais aig gach tigh air a shlighe a dh’ fheuchainn am facas Mórag air an rathad dhachaidh. Cha robh duine ’chunnaic a leithid a’ dol seachad an taobh sin. Ràinig e ’n Airigh Mheadhoin, agus, gu fortanach, cha robh a phiuthar fathast air an tigh fhàgail, ged a bha i air brath fhaotainn air àite. An uair a d’innis a bràthair an sgeul mu Mhóraig, ’s a chunnaic i cho goirt ’s a ghabh e mar a thachair dhi, chum i oirre fhéin, agus dh’fheuch i comfhurtachd a thoirt dhà-san. Ach, ciod a bha ri ’dhèanamh? Thuirt iad na b’urrainn iad, thall ’s a bhos, mu dhéighinn a’ ghnothuich; agus [TD 41] gheall iad air gach taobh fios a thabhairt, cò air bith dhiubh a chluinneadh guth air Móraig. “Saoil sibh,” ars’ a sean-mhàthair, “Saoil sibh an tigeadh e ’na ceann dol thun Fionnaghail?” Dh’amhairc Donnachadh air a phiuthair. “’Dé ’m fios nach deachaidh!” ars’ i—“Bha Fionnaghal cho cuimhneach uimpe. Ach am biodh de mhisnich aice na dh’fheuchadh e?” “Gheibh sinn fios air sin. Théid mise dh’ aon obair do Ghlascho, agus chì mi,” arsa Donnachadh; agus dh’ fhàg e beannachd aca ’sa mhadainn, le dòchas air fhadadh an cridheachan na triùir gu’n deachaidh gu math le Móraig an déigh uile. Cho luath ’s a bha e’n comas Dhonnachaidh, chaidh e do Ghlascho, agus rinn e a rathad gu tigh Fionnaghail—ach ma leanas sinn Mórag, gheibh sinn an sgeul a fhuair e bho phiuthair a h-athar. ———— “Bha Mórag a’ dol a sìos taobh Loch-gilb, an uair a choinnich i ’n sgiobair a bha cho caoimhneil rithe fhéin ’s ri bràthair a màthar o chionn ùine glé ghoirid. Dh’ aithnich e i air a’cheud sùil; rug e air làimh oirre, ’s dh’ fharraid e air son a càirdean:— “Agus c’àite ’m bheil thu ’dol a nis?” dh’ fhoighnich e dhi. “Tha mi ’dol thun Fionnaghail, piuthar-m’athar, an Ghlascho.” “Ach, ciamar a gheibh thu ’n sin, gun duine leat? “Gabhaidh mi ’n t-aiseag, ’s coisichidh mi ’chuid eile de ’n rathad.” Sheall an duine oirre. “Ciamar a leig iad air falbh mar so thu?” Cha d’ thuirt Mórag diog. “So, so, ciamar ’s am bith mar a tha, tha feum agad air cuideiginn a ghabhail cùram dhiot; agus ’s e ni thu tighinn leamsa; agus chì mis’ thu tèaruinte thun piuthar-t’- [TD 42] athar. Tha ’n soitheach agamsa ’seòladh an ceann dà uair an uaireadair, agus thig thu air bòrd leam—tiugainn!” Agus dh’ fhalbh Mòrag leis an sgiobair gun tuilleadh uime. Bha an leanabh—oir cha robh innt’ ach sin—sona fad nan làithean a bha i ’seòladh air ais ’s air aghart eadar aon phort agus port eile, a null ’s a nall, a suas na Caoil Bhòideach, agus a stigh air Cluaidh, thun a’ bhaile mhòir far an robh a bancharaid. Bha’n sgiobair, agus na seòladairean laghach rithe; agus bha i duilich an uair a thàinig an turus gu ceann, agus a thug an sgiobair còir i do thigh piuthar a h-athar, far an d’ fhàg e beannachd aice, ’s an d’ thug e earail oirre, an aire thoirt di fhéin mu’n rachadh i air chall ’sa bhaile mhòr. Bha piuthar a h-athar glé thoilichte a leithid a bhi aice gu ruith air gnothuichean, agus na naoidheana thoirt bhàrr a làimh am feadh a gheibheadh i féin an tigh a réiteachadh; a chionn bha Mórag ealamh, èasgaidh, agus deas gu rud a thogail. Air là àraidh, goirid an déigh dhi tighinn, chaidh Mòrag a chur air ghnothuch gu bùth a bha beagan astair bho’n abhainn; agus rinn sealladh de na croinn, a bha mar choille, eadhon anns na làithean sin, a’ chaileag a thàladh sìos a dh’ amharc air na soithichean. Sheas i mu choinneamh luinge mòire briagha, far an robh na maraichean trang am measg a’ bhathair a bhatar a’ cur air bòrd. “Am bu mhath leat taobh a stigh an t-soithich fhaicinn, mo leanabh?” arsa guth làimh rithe. Sheall Mòrag a suas. Bha boireannach an cleòca fada dearg agus ad rìomhach, ’na seasamh an sin. “Tha mise ’dol a stigh,” ars’ am boireannach; “ma’ s math leat, faodaidh tu tighinn leam.” Dh’ amhairc Mòrag air a bascaid: “Cha’n fhaod mi fuireach an diugh.” “Bidh an soitheach air falbh an nochd, ’s cha bhi cothrom agad a rithis.” [TD 43] “Mur gléidh e fada mi, théid mi ann,” arsa Mòrag, agus lean i am boireannach air bòrd. Thàinig fear de na h-oifigich air aghart, agus bhruidhinn am boireannach ris ’an guth ìosal. Bha cho beag Beurla aig Mòraig nach do thog i uibhir is facal. Chaidh an dithis a thoirt, fo iùil an oifigich, air feadh an t-soithich, agus a sìos do sheòmar na luinge; agus mu’n robh mòran mhionaidean thairis, dhi-chuimhnich Mòrag a h-uile rud ach na bha mu choinneamh a sùl. Cha robh fhios aice ciamar no c’uin a thachair e, ach chaill i sealladh air té a’ chleòca dheirg. Ruith i thall ’s a bhos ’ga sireadh; dhìrich i suas á seòmar na luinge; thug i sùil air tìr, ’s chunnaic i’n cleòca dearg a’ dol ás an t-sealladh aig oisinn na sràide. Dh’ fheuch i dol air tìr; ach bha na bùird-coise air an togail. Ghrìos i air na seòladairean leigeil leatha an soitheach fhàgail; ach thuirt iad rithe dol ás an rathad ’s a bhi sàmhach, mu ’n tilgeadh iad a mach i. Bha iad a’ tarruing nan ròpaichean a stigh, ’s a’ togail na h-acair; agus mu’n d’ thàinig an oidhche bha’n soitheach air a rathad thun a’ chuain, le Mòraig air bòrd. Acrach, truagh, chrùbain Mòrag an cùileig sheasgair a’ bhathair air clàr na luinge. Cha robh a’ bheag de Bheurl’ aice, ach thuig i ’m facal “America.” Thuig i mar an ceudna gu’m b’ann le a deòin a dh’ fhàg té a’ chleòc’ air deireadh i; agus le plathadh thàinig briathran a h-athar ’na cuimhne—“Mur gabh thu agad fhéin faodaidh do bhraise trioblaid a tharruing ort”—agus air so bhris i ’mach a’ caoineadh. Thug i ’n t-sùil bhochd a suas. Bha’n Crann a’ dealradh ’san speur ri Tuath, dìreach mar a b’àbhaist di fhaicinn os cionn Beinn Bheithir. A rithis thàinig briathran a h-athar air ais d’a h-ionnsuidh;—“Cuir do dhòigh ann an Athair an dìleachdain.” Thug so faochadh, agus beagan misneachaidh dhi. “Och, mo dhaidi laghach fhéin!” ars’ i os ìosal rithe fhéin, “tha thusa fad’ uam os cionn nan rionnagan sin; ach [TD 44] ni mi’n rud a thuirt thu rium; cuiridh mi mo dhòigh an Athair an dìleachdain! Bha mi bras an uair a dh’ fhàg mi mo shean-mhàthair. Bha mi bras an tighinn air bòrd an t-soithich, an àite dol dachaidh le m’ ghnothuch; och, ciamar a nis a théid agam air mo mhàthair a chuideachadh!”—agus a rithis shil na deòir gu frasach. Uidh-air-n-uidh thàinig soilleireachadh air a h-inntinn. Chuir i roimpe teicheadh dhachaidh na’m faigheadh i gu bràth an cothrom, agus—“Ciod air bith a ni iad orm, cha’n fhaic iad a’ caoineadh mi!” ars’ ise. An sin fuar, acrach mar a bha i, thuit an dìlleachdan ’na cadal. ———— Bha’n turus-cuain gu math ànradhach. Cha robh a’ bheag de umhail air a thoirt do Mhòraig; agus bha i iomadh uair air a tolladh leis an acras. Air aon là àraidh thug fear de na seòladairean an aire cho truagh coltas ’s a bha i; thàinig tiomachadh air, agus thug e mias chabhruich dhi. Gu taingeil ghiùlain i ’n trinnsear fo fhasgadh, agus shuidh i ’n teis-meadhon cuailein ròpaichean, gus am biadh itheadh le comfhurtachd. Cha d’rinn i ach a’ cheud làn-beòil a shlugadh an uair a bhris bàth-thonn thairis air an luing; dh’fhalbh a’ chabhruich leis thar cliathaich an t-soithich, a’ fàgail trinnsear falamh air uchd Mòraig. An aon uair eile so chaoin i gu goirt thairis air an tubaist. Mu dheireadh, thàinig an turus fada, doireannach gu crìch. An déigh briseadh na fàire, air maduinn chiùin ghrianaich, sheòl an soitheach seachad air eilean fada, agus thilg i acair an cala bòidheach. Bha baile beag air oir a’ chladaich, le coilltean tiugha ag éirigh air a chùl. An tiota, chuir sgaoth de bhàtaichean beaga a mach, chuairtich iad an long, agus thàinig na daoine ’bh’ annta air bòrd. Bha ’chuid a bu mhodha dhiubh a’ bruidhinn Beurla; ach bha fear an sud ’s an so a’ sgioladh cainnt nach b’urrainn do Mhòraig a thogail. [TD 45] Bha leth-sheann duine, le sròn mhór cho cam ri gob cromaig, agus feusag liath a’ taomadh mar eas a sìos air a bhroilleach, a bha ’bruidhinn ris an sgiobair. Bha le Móraig gu’n robh aodann caoimhneil aige; agus, mar gu’n do mhothaich e’n smuain, bha leis a’ chaileig air an t-sùil a thug iad oirre an dràsd ’s a rithis gur ann oirre fhéin a bha iad a’ labhairt. Mu dheireadh, thàinig fear na feusaig far an robh i—“Tiugainn thusa leamsa, leanaibh,” ars’ esan, “ni thu searbhanta beag do m’ mhnaoi,” agus cha b’ ann idir gu mì-thoileach a lean i a maighstir. B’ Iùdhaich a’ chàraid a fhuair còir air Móraig. Bha iad ’nan daoine còire, a bha ’cleachdainn a bhi leughadh Sgriobtuirean an t-Seann Tiomnaidh, agus a dhealbh am beatha d’ an réir. Cha robh fada gus an robh an dìlleachdan bochd aig an tigh an dachaidh a bha òrdail, math anns na h-uile dòigh; agus dh’ fhàs muinntir an tighe toigheach air a’ chaileig a rinn a dìchioll gach ni feumail ionnsachadh. Thachair iomadh tuiteamas neònach oirre anns na bliadhnachan sin. Chaidh i, aon latha, an déigh dhi a h-obair-tighe a chrìochnachadh, do ’n choille a thrusadh dhuilleagan seargte air son leabaidh do ’n chrodh. Thug i poca leatha, agus thòisich i air a lìonadh; ach thug i ’n aire do dhùn briagh dhuilleag goirid uaipe, aig bun craoibh, mar gu’ n do thrus a’ ghaoth iad deas gu a làimh. A null ghabh i leis a’ phoca, agus an déigh a chur fosgailte air an làr, sgaoil i mach a gàirdeanan agus thog i ultach dhiùbh gu sgairteil. A suas ’na cuibhleagan dh ’éirich nathair mhòr, le srann a bha déisinneach. Sheas Mórag car prioba gun chomas gluasaid; ach fhuair an nathair uibhir eagail rithe fhéin, agus theich i cho luath ’s a bh’ aice gu àit eile de ’n choille, far nach rachadh dragh a chur a rithis air a suain gus an dùisgeadh an t-earrach i. Aig àm eile chaidh i do’n choille cheudna a thrusadh connaidh. Bha i cho dil a’ tional nam bioran nach d’ thug i ’n aire cho fada stigh ’s a chaidh i á sealladh a’ bhaile. [TD 46] Chaill i a rathad, agus, an àite tilleadh, ’s ann a rinn i dol air seachran na b’ fhaide ’s na b’ fhaide stigh. Choinnich Innseanach ruadh i, aig ciaradh an fheasgair, agus threòraich e thun a bhothain i. Bha eòin aige, a leag e le ’bhogha ’s saighead. Thug e d’ a mhnaoi iad, agus an déigh na h-iteagan a thoirt diùbh ròis i ris an tein’ iad. Thug i cuibhrionn do Mhòraig, a bha taingeil nach robh i ri bhi fad na h-oidhche ’mach ’sa choille. An uair a thàinig àm gu dol a laidhe, rug a’ bhan-Innseanach air làimh na caileige; thug i nunn i far an robh dùn iteag, agus a’ cur a lethchinn air a bois, leig i ris gu ’n robh i ri cadal air na h-iteagan. Cha b’urrainn iad aon smid de chainnt a chéile a thuigsinn; ach trid na cainnt bhailbh so, dh’ amais iad air a’ ghnothuch. Anns a’ mhaduinn, smèid an t-Innseanach air Móraig, a lean e gus an d’ thug e sàbhailt i an sealladh a’ bhaile. Mar so fhuair an dìlleachdan iochd agus fòir o Iùdhaich agus o dhaoine borba nan coilltean, mar nach d’fhuaradh leatha uapa-san a bha d’ a cinneadh féin, agus air an gairm fo ainm Chrìosduidhean, ach aig an robh an cridhe làn sainnt, agus gaol an airgid: ni a rinn cruaidh neo-thruacanta iad ris an leanabh bhochd neo-amharusach. Anns an dachaidh chiùin, thèaruinte so, chaidh bliadhna is bliadhna thairis. Dh’ fhas Mórag a suas gu ’bhi ’na nighinn dhreachmhoir, thapaidh, a b’urrainn a làmh a chur ri obair ’sam bith a thigeadh ’na rathad. Cha robh tuilleadh cuimhn’ aic’ air an Apuinn? Chì sinn sin! ———— Bha “Cogadh na Tea,” mar a theirteadh ris, air éirigh eadar Breatunn agus America; agus bha luingeis de na h-uile seòrsa a’ ruith gun sgur air ais ’s air aghart eadar an dà dhùthaich, agus malairt gu mòr air a meudachadh. ’Nam measg-san a bu mhodha ’shoirbhich bha’n t-Iùdhach, maighstir Mòraig. Cha robh bàta bathair a’ tighinn gu cala nach robh a’ giùlan stuth g’a ionnsuidh anns na làithean sin. [TD 47] Thàinig e ’stigh aon là air dorus a thighe le ceum na b’ealaimhe na ’chleachd e, agus dh’fharraid e air son Móraig. “A Mhórag, co ás thu?” ars’ e air a’ cheud fhacal. “Thàinig mi á Apuinn Mhic Iain Stiùbhard, an Siorramachd Earraghaidheal, an Albainn,” fhreagair an nighean, rudhadh ag éirigh ’na gruaidh ann an gabhail nan ainmean gaolach air a bilean. “Ma tà, tha ’n so sean phaipear-naigheachd a thàinig mu thimchioll cuid de ’n bhathar. Chaidh a chlo-bhualadh air a’ bhliadhna ’s an do cheannaich mis’ thu. Tha sanas ann, air a chur a stigh le fear, Donnachadh Mac an-t-Saoir, ag innseadh mar a chailleadh thu, agus ag iarraidh air neach ’sam bith a gheibheadh forfhais ort, do thoirt air ais d’ a ionnsuidh-san.” “B’e sin bràthair mo mhàthar,” arsa Mórag. “Am bu mhath leat tilleadh dhachaidh?” “Och, och, ’s ann leam bu mhath!” fhreagair Mórag ’s an deur ’na sùil, “na’n gabhadh sin a bhi.” “Ma tha sin mar sin,” ars’ an t-Iùdhach, “tha lagh againne a tha ’cur mar fhiachaibh oirnn seirbheiseach a leigeil air falbh saor, ma’s math leis, cho luath agus a phàigheas e air ais le ’obair an luach a thugadh air a shon. An ceann dà bhliadhna, a réir an lagh sin, bidh tusa saor ma’s e do roghainn dol dachaidh.” Las sùilean Móraig le aoibhneas. “Bu mhath leam tilleadh thun mo mhàthar bhochd, ma tha i beò. Gheall mi do m’ athair air a leabaidh-bhàis deanamh air a son cho fada ’s a bhiodh e ’m chomas. Cha’n e nach robh sibhse riamh caoimhneil cneasda rium, ach gu’m bheil e ’na dhleasnas orm amharc as déigh mo mhàthar; ’s e sin tha toirt orm roghnachadh falbh cho luath ’s a dh’ fhaodas mi.” “Tha sin ceart, a Mhórag: urram a thoirt do d’phàrantan, agus ùmhlachd a thaobh na gheall thu. Bidh beannachadh an Tì a’s àirde ort; agus is feàrr sin na maoin an [TD 48] t-saoghail so. Bha thu riamh dìleas air chùl do ghnothuich,—their mi sin—agus bithidh sinne duilich dealachadh riut.” ———— “B’iomadh fadal a ghabh Mórag an amharc roimpe; ach, mu dheireadh, thàinig crìoch air an dà bhliadhna. Thàinig ceann air a’ chogadh aig a’ cheart àm, agus fhuair a maighstir fios air soitheach a bha ’dol do Ghlascho, le réisimeid de shaighdearan Albannach. Bha feum aig mnaoi fear de na h-oifigich air maighdinn-choimhid, agus ghabh Mórag os làimh a seirbheiseachadh. Mar so, bha i fo dhìon bana-mhaigstir; cha robh faradh aice ri phàigheadh; agus choisinn i beagan air an rathad dhachaidh. Bha Athair an dìlleachdain da-rìreadh ag amharc thairis oirre. Ràinig an soitheach Albainn, gu tèaruinte, agus dh’fhàg Mórag beannachd aig a bana-mhaighstir an Glascho. Bha buidheann de na saighdearan, a bhuineadh do Earraghaidheal; agus ghabh Mórag aiseag air an aon bhàta riù, oir bha i air fàs eòlach air a’ chuid a bu mhodha dhiubh. Cha d’ thug am bàta iad seach Loch Fìne. Mar sin choisich muinntir na h-Apunn an còrr de ’n rathad an cuideachd a chéile. Mu dheireadh ruig an luchd-turuis an Sìthean. Chunnaic Mórag mullach cinn Beinn Duinn ag éirigh dorcha ris an speur. Dh’ éirich doinionn de smuaintean ’na cridhe. Aig gabhail an aisig do ’n chuideachd, thionndaidh Mórag ris na portairean, agus dh’ fheòraich i dhiubh, an robh fhios aca cò-dhiubh ’bha bantrach Iain ’ic Labhrainn beò fhathast? “Tha, beò slàn,” fhreagair fear diubh; “tha i ’fuireach anns an tigh ud thall aig bun a’ bhruthaich, dlùth air tigh-an-aisig,” agus thug am portair gogadh d’ a cheann a leigeil ris an àite ’san robh an tigh. Bha màthair Móraig an sud, ’na seasamh ’san dorus, a’ gabhail beachd air a bhàta làn chòtaichean-dearga. Aon uair air tìr, agus a ciste air a cur air cùram gille ’bheireadh a nìos i, choisich i ’n rathad mar gu’n robh sgiathan air a sàiltean. Chaidh a màthair a stigh an uair [TD 49] a chunnaic i ban-choigreach a’ deanamh air an dorus aice. Chaidh Mórag a stigh ás a déigh, agus dh’ iarr i deoch an uisge. Dh’ fharraid i ’n sin cead suidhe car ghreis, a chionn gu ’n robh i sgìth. Thug a màthair cathair dhi. “Dh’fhaoidteadh gu’n leigeadh sibh leam fuireach an so an nochd?” arsa Mórag: “tha’n latha gu math fad air aghart a nis.” “Cha’n ’eil dòigh agam air ’ur leithìd-se ’ghabhail a stigh,” fhreagair a màthair. “Bhithinn toilichte le ni air bith a th’ agaibh. Gu dearbh cha’n ’eil e ’m bheachd dol ceum na’s fhaide an nochd,” arsa Mórag gu daingeann. “Cha’n fhuirich cas dhibh an so!” ars’ a màthair, cho daingeann rithe fhéin. “Ciod am fios a th’agam-sa cò sibh,—té a thàinig an cuideachd nan saighdearan!” Cha b’urrainn Mórag cumail oirre fhéin na b’fhaide. “A bhean, nach do chaill sibh caileag d’am b’ainm Mórag? Nach ’eil sibh ’gam aithneachadh?” Cha robh tuilleadh guth air Mórag a chur a mach air an dorus. Cha d’fhàg Mórag an Apuinn am feasda tuilleadh. Phòs i’n sin, agus an sin shiubhail i. B’i bantrach a mic a dh’ innis dhòmhsa an sgeul, an uair a bha i ’fuireach an Goirtean-an-leathaid, eadar an Sìthean agus na h-Arda. Cha robh caman cho math agam fad na bliadhna ris a’ chaman a bha ’cheart té a’ toirt do m’ ionnsuidh air a h-uile Nollaig. Och, och mise! ’s fhada o’n àm sin! [TD 50] CLACH NA LÀNAIN. AIR an rathad gu Grìobunn, anns an Eilean Mhuileach, mar a théid duine sìos am bruthach le ’aghaidh ri Loch nan Ceall, tha aig taobh an rathaid ris an làimh-dheis, clach mhòr, iomadh tunna an cudthrom. Tha i ’na seasamh an làrach tighe, cho teann-dhinnte eadar na trì ballachan ’s ged a bhiodh iad air an togail a dh’ aon obair gu taic a chumail rithe. Na ’n robh am meall cloiche so air lòn, no air taobh cnuic, theirteadh creag ris; ach air a shuidheachadh mar a tha e, aig bun a’ bhalla chreige as an do thuit e, agus a tha ’g éirigh iomadh ceud troigh os a chionn, a chuilbh àrda mar air an gearradh le làimh snaidheadair, cha ’n ’eil ann ach clach am meudachd no an coltas. ’S i so Clach na Lànain, no Clach na Càraid. Cha ’n ’eil mòran a làthair an diugh aig am bheil cuimhne air an latha air an do thuit a’ clach a nuas as a’ bhalla uamharr; ach ’s ann agamsa tha ’n t-aobhar gun a leigeadh air dì-chuimhne. Tha fada, fada o’n a thachair e; ach tha na h-uile ni, mar a ghabh e àite, fa m’ chomhair mar gu ’m b’ann an dé a bha e. ’S ann a tha na nithean a thachair an toiseach m’ òige na’s soilleire fa m’ chomhair na iadsan a ghabh àite an dé. Ar leamsa nach ’eil e ach mar mhìos no dhà o’n a thàinig a’ cheud bhàta-deataich a dh’ionnsuidh ar cladaichean, a’ cur rotha nam pleadhan mar gu ’m b’ ann muighe-eich a’ maistreadh na fairge ’s a’ fàgail rathad-mór de chobhar as a déigh. Bha mi mu naoi bliadhna dh’aois [TD 51] aig an àm, agus bha mi air mo rathad le dinneir muinntir na buana an uair a thàinig i ’n sealladh. Ach cha’n fhaodar tòiseachadh air a leithid sin de naigheachd, air-neo cha bhi ùine eachdraidh Clach na Lànamhain a thoirt seachad; agus a thuilleadh air sin ’s ann aig Cnoc-Mhaolagain is fheudar tòiseachadh. Cha’n’eil àite air an t-saoghal ri choimeas ri Cnoc-Mhaolagain. Tha ’n t-àileadh na ’s glaine ’s na ’s blàithe an sin; tha ’n loch na ’s sàmhaiche; tha ’m fraoch air na cnuic na ’s truime dath, agus badain bhòidheach de fhraoch geal ri fhaotainn thall ’s a bhos ’na mheasg; tha blàithean cùbhraidh na machrach làn meala; agus m’ a choinneamh tha Eilean-Chalaman: Calamain nan creag, eòin ghorm nan sgiathan luatha, ’nan ceudan a’ tuineachadh gun eagal fo dhùbhradh nan creagan àrda; an sàile a’ ruith a mach ’s a stigh fodhpa, ’s mu ’n cuairt air na sgeirean beaga, a’ briseadh le ceòl gun sgur. B’ ann an sin a rugadh ’s a thogadh mi. Cha d’ fhàg mi e gus an do phòs mi. Tha cuimhne agam air gach cloich is preas, agus air gach oisinn de ’n tràigh far an robh sligean ri fhaotainn; *sligean ban-tighearna, coineanan-mara, faochagan mòra ’s beaga de gach dath,—geal, buidhe, ruadh, is breac,—sligean-creachainn, feusgain is muirsgeanan—ciod an seòrsa nach robh ri fhaotainn an àite no àiteiginn mu Chnoc-Mhaolagain? Air son eòin a’ chladaich, cha robh dìth oirnn a thaobh cuideachd le faoileannan is guilbnich, an steàrnal clis, na gulmagan, na trodagan-tràghad ’nan sreathan a’ ruith, mar a’ chlann bheag, a mach ás déigh nan tonn, ’s a’ teicheadh a stigh air thoiseach orra. Air son eòin nan tonn, bha iad gun àireamh: eòin-dubha, sgairbh, agus na faoileannan, daonnan, mar amadain-liatha mhòra, ag itealaich gun chlos os cionn nan tonnan barra-gheal. Agus aig crìch an latha bha gathan mu dheireadh na gréine a’ lasadh, le soillse caomh, gach machair * See glossary for names of shells, etc. [TD 52] is cnoc is eilean, mu’n rachadh i ás an t-sealladh aig oir a’ chuain mhòir. Tha e fìor, co-dhiùbh ’chreideas sibh e no nach creid, nach ’eil àit air an t-saoghal coltach ri Cnoc-Mhaolagain! Bhiodh mu dhusan teaghlach anns a’ choimhearsnachd, eadar a h-uile tigh a bh’ann. B’iad sin na coimhearsnaich chaoimhneil, dhìleas: b’ fhiach iad an t-ainm. ’S iomadh teaghlach a gheibhtear an diugh aig nach ’eil na buill cho aonta, no cho ionmhuinn mu ’chéile ’s a bha ’n grigleachan a bha mu’n cuairt oirnn ’san àm sin. Nach iomadh deireadh-bhuana aoibhinn; nach iomadh Samhuinn shunndach; nach iomadh Nollaig agus Bliadhna-ùr chridheil a chuir sinn seachad còmhla! Comh-cheangailte ris gach àite, agus ris gach ni a thachair ’n am òige, tha ìomhaigh Raoghnaild a’ ghobhainn. Bha a màthaìr ’na maighdinn aig mo mhàthair-sa an uair a phòs i; agus bha de mheas aig m’ athair air a h-athair-se nach rachadh e’n ceann gnothuich air bith gun a chomhairle a chur ri Iain Gobhainn. B’ i mo mhàthair-sa a dh’ionnsaich calanas do Raoghnaild. B’i a màthair-se a theagaisg dhòmh-sa na b’ aithne dhomh riamh mu bhainne, ’s mu ìm is càise oibreachadh. Mar sin, bha sinn a ghnàth ’s gun tàmh an tighean aoin a chéile. Bha Raoghnaild cho eutrom iollagach air a dà chois ri eun air iteig; bha i cho bòidheach ri ròs fhiadhaich an fhàile chùbhraidh a bha’n oisinn a’ ghàraidh; bha i cho mireagach ri uan gun lochd. Cha’n’eil uair a thig anail spìosrach na roide ’s an fhraoich a nuas bhàrr a’ chnuic orm, nach ’eil Raoghnaild agus mise còmhla a rithis, a’ buachailleachd a’ chruidh air maduinn ghil, Shamhraidh, trang aig a’ cheart àm a’ figheadh chlogaidean luachair no ’seòladh bhàtaichean seilisdeir ’S ann air a’ bhrochan a bha ’m blas anns na làithean sin, an uair a shuidheamaid g’ a ghabhail air tom aig ceann na dalach, “Cabhag,” mo chù laghach, ag amharc as déigh a h-uile làn spàin-adhairc a rachadh ’nar [TD 53] beòil, agus a’ cur a spòig mhòir air ar glùn an tràths’ ’s a rithis air eagal gu’n di-chuimhnicheamaid a chuid-san. Cha ’n ’eil uair a chì mi cléiteagan geal a’ chanaichein am measg réisg is luachair, agus fraoch na mòintich le ’chopain mhòra chéireach làn meala, mar bhrat air an làr, nach ’eil Raoghnaild is mise dol do ’n àite-mhòine le biadh nan daoine a bh’ aig an obair leinn,—bonnaich choirce, uibhean, mulachag ùr chàise, ’s cha ’n ’eil fhios ciod tuilleadh. Dh’ fhàs Raoghnaild a suas cho sùbailte ri slait sheilich, agus cho dìreach ri cuilc nan lochan. Cha do chuir i mulad orm ach aon uair riamh. Bha sin ’nuair a shaoil leam gu ’n robh i ’dol a roghnachadh coigreach an àite aoin de m’ bhràithrean. Tha mi ’g ràdh h-aon diubh, a chionn bha i-féin agus mo dhara bràthair, Gilleasbuig, ’nan sàr chompanaich, agus cha robh mòran obair idir aice féin agus Iain ri chéile; ach bha e ’n aon rud leamsa có dhiubh ’gheibheadh còir oirre, ged a bha leam gu’n robh am fear a b’ òige tuilleadh ’s coltach rithe fhéin. ’S ann mar so, ma tà, a chuir i ’n iomaguin orm gu’n caillinn i—agus dh’ fhaoidteadh gu’m b’e sin a b’ fhearr dhithse seach mar a thachair. Bhiodh Raoghnaild mu naoi-bliadhn’-deug, agus mise beagan na b’ òige, an uair a thàinig peasan de thàillear a nall a Latharna meadhonach, a chur a suas obair air a làimh fhéin beagan astair uainn. Bha ’n duineachan spairiseach, pongail gu leòir, ach cha robh ann ach an gasan: b’ fhiach lùdag Iain againne a choluinn gu h-iomlan. Cha robh an tàillear fada ’san àite an uair a thòisich e ri tighinn cuid de’n rathad ás an eaglais le Raoghnaild is leamsa, agus gu goirid ghabh e’n dànadas tighinn air chéilidh do na tighean againn. Bu ghasda le Raoghnaild caige ’chumail ris, agus chumadh i féin ’s Gilleasbuig an tàillear an gleus; ach bha daonnan rud-éiginn aig Iain ri dheanamh a mach ’san t-sabhal aig a leithid sin de àm; agus air mo shonsa dheth, bu leòir dhomh facal a chur a stigh an dràsd ’s a rithis, a chionn cha robh feum orm. [TD 54] Chaidh nithean air aghart mar so, a’ chuid a bu mhodha de’n Gheamhradh. Ach air latha ’bha ’n sin, thuirt Iain ruinn aig an tràth maidne, “Faodaidh sibh a ràdh ris an tàillear ’nuair a thig e’n nochd, mo thomhas-sa ’ghabhail air son deise ùir. Chuala mi gu’n robh feum aca air cìobair an Grìobunn; agus tha mi air an àite ghabhail an diugh.” Sheall sinn uile air a chéile mar gu’n do thuit mi-fhortan air an teaghlach, gus an d’ thubhairt mo mhàthair gu sàmhach, “Tha fios nach fhaod fiughair a bhi againn ri bhi daonnan còmhla; agus rinn thusa seasamh gu duineil ri d’ chuideachd gus a nis. Cha ’n iongantach ged a thòisicheas tu ri amharc a mach air do shon féin a nis, a laochain; cha ’n fhaod sinne ’bhi tuilleadh ’s muladach; ’s ann is fheudar do mhisneachadh, agus guidh gu math dhuit.” Cha b’urrainn gin againn àicheadh nach robh an fhìrinn aig ar màthair. Air a shon sin, bha sgàil air tighinn thairis air an dachaidh, a chionn cha bhiodh e gu bràth mar a bha e, as eugmhais Iain. Air an latha sin féin chaidh snàth stocaidhnean a chur air leth air son tòiseachadh air gach ni feumail a dheanamh deas; agus anns an fheasgar, thàinig an tàillear, agus ghabh e tomhas Iain gun chur thall no bhos. Bha Raoghnaild a làthair an uair a ghabh so àite. Sheall i le spleadhnas o aon gu aon, ach cha d’thuirt i facal. Cho luath ’s a fhuair i mise leam fhéin chuir i a’ cheist gu h-ealamh, “Ciod a th’air tighinn thairis air Iain gu’m bheil e air gabhail ’na cheann falbh a dh’aon bheum mar so?” “Cha’n urrainn domhsa ’ràdh.” “’Bheil sin a’ ciallachadh nach ’eil toil agad a ràdh?” dh’ fhoignich Raoghnaild a rithis. “Cha d’thubhairt e diog m’a dhèighinn gus an diugh ’sa mhaduinn,” fhreagair mi. Chum Raoghnaild ’na tosd. Thill sinn a stigh do’n chitsean, far an robh càch. Bha iad a’ bruidhinn mu dhorchadas na h-oidhche; oir bha ceò dòmhail ann, agus bha ’n tàillear a’ deanamh bòsd as a mhisn- [TD 55] each féin, ag ràdh gu daingeann gu’n robh e os cionn geilt a ghabhail ged a sheasadh duine air thoiseach air air a rathad dhachaidh gu a sporan no a bheatha ’thoirt uaith. “’S math dhuitse nach ’eil eagal gu’n tachair sin!” arsa Raoghnaild, “Cha’n ’eil fhios na’n tachradh nach toireadh tu do shàiltean ás glé luath.” Air sin, dh’ fhàg an tàillear oidhche mhath againn, agus dh’fhalbh Raoghnaild beagan as a dhéigh sin. “’Illeasbuig!” ars’ ise, “thig thusa dh’ionnsuidh an doruis againn leam; cumaidh tu na bòcain air falbh an déigh na bha de bhruidhinn orra!” agus chaidh iad ’nan dithis a mach. Bhiodh mu sheachduin air dol thairis mu’n do thill an tàillear. Tuille ’s aon uair thubhairt sinn ri chéile, “Cha ’n ’eil fhios ciod a th’ air tighinn ris an tàillear?” Uair no dhà, an uair a thàinig sinn a mach leis so, dh’ amhairc Raoghnaild agus Gilleasbuig air a’ chéile, agus thigeadh Gilleasbuig a mach le spreadhadh gàire. “Aoidh ’ur n-uilc oirbh!” arsa m’athair, “tha rud-eiginn eadar sibhse ’n ’ur dithis mu’n tàillear, ciod air bith e!” Cha do thuig sinn an gnothuch gus an do thill an tàillear le deise Iain deas glan. Bha sinn amharusach gu’n robh ni éiginn ceàrr ’nuair nach d’thàinig e feadh na seachduin; agus ged nach robh fhios aig m’athair no mo mhàthair air, dh’ fheòraich iad dheth gu caoimhneil ciamar a bha e o’n a chunnaic iad roimhe e. “Nach cuala sibh diog?” dh’ fharraid an tàillear. “Cha chuala,” arsa m’athair, “an robh dad air aimhreidh?” “Nach deachaidh mo robadh de m’ sporan, agus mo bheatha a chur an cunnart!” Dh’ asluich sinn air a h-uile car innseadh. “Cha robh mi ach mu mhìle as a so, agus dìreach air an taobh so de’n Aonaidh, an uair a thàinig duine mòr àrd a mach o chùl na creige, agus leis an dag ri clàr m’ aodainn thug e òrdugh dhomh mo sporan a liubhairt, [TD 56] air-neo mo bheatha a chur an cunnart. Cha robh a chridhe agam carachadh, mu’n rachadh am peilear tromham; mar sin cha robh dol as a’ chàs, agus thug mi ’n sporan do ’n bhéist.” Thug mise ’n aire gu’n robh Gilleasbuig thall an dùbhradh na h-oisinn a’ call a lùthais a’ gàireachdaich; ach bha Raoghnaild gu dùrachdach a’ figheadh a stocaidh. “Co-ris a bha ’n duine coltach?” dh’ fheòraich i de’n tàillear. “Bha e tuilleadh ’s dorcha g’a dheanamh a mach; ach cha chreid mi gur e duine de mhuinntir an àite so ’bh’ann; bha e cho caol àrd; bha cleòc air, cuideachd; agus cha’n aithne dhomh duine mu’n cuairt an àite aig am bheil cleòc ach fear an tighe so.” Chaidh Raoghnaild a mach car prioba, agus thill i le cleòca m’athar oirre, agus boineid Ghilleasbuig. ’Na làimh bha marag dhubh a dh’ionndrainn mo mhàthair o’n mhaide air an robh sreath dhiubh an crochadh. “An e so an seòrsa duine a thug do sporan uait?” dh’fharraid Raoghnaild, a ’cur an sporain air a’ bhòrd air a beulaobh. Spleuchd an tàillear oirre car mionaid; an sin thog e ’n sporan agus dh’ fhalbh e am feirg a’ maoidheadh gu’n toireadh e gu cùirt i air a shon so fathast. Ach bha aon eile a làthair a chum a theangadh, ged a las ’aghaidh suas le gàire mear. B’e sin Iain. Mu’n d’ fhalbh e bha e féin agus Raoghnaild ùine fhada a’ bruidhinn ri chéile; agus ’s e thàinig a mach as a sin nach b’ ann idir gu muladach a dh’fhàg e beannachd againn. Fhuair e gealladh o Raoghnaild gu’n rachadh i gu bhi ’na bean-tighe dha cho luath ’s a bhiodh e deas air a shon sin, an áite ’bhi dol a mach le maraig dhuibh gu daoine a robadh air an rathad-mhòr. An uair a tha daoine trang, toilichte, théid an ùine seachad gu math luath. Mu bhliadhna-gu-leth an déigh do [TD 57] Iain ar fàgail, bha e air a dheagh shuidheachadh aig Grìobunn, agus brath aige air tigh. Cha robh grabadh air thoiseach air a’ chàraid òig. Mar sin chaidh an còrdadh a dheanamh, agus latha na bainnse ’shocrachadh. Bha h-uile duine mu’n cuairt toigheach air an dithis; agus cha robh caomhnadh air cearcan, no tunnagan, no caoraich. Chaidh uibhir ’s a dh’ fhoghnadh air son dà bhanais a thaomadh a stigh le làimh nan coimhearsnach—ach cha’n ’eil feum air so innseadh, oir tha fhios aig an t-saoghal air caoimhneas nan Gàidheal aig àm de’n t-seòrsa. Trì làithean roimh àm na bainnse chaidh mise null gu Aird-ionra, an I Chalum Chille, a dh’fhaicinn bana-charaid a bha ’dhìth oirnn gu ar cuideachadh. Chaidh sinn còmhla a null gu ceann an eilein, a dh’ionnsuidh na tràigh de ghainmhich ghil mhìn, far am faightear na clachagan bòidheach uaine air am bheil uibhir mheas an diugh le luchd-taghail. Aig amharc a mach air a’ chuan, thug mi’n aire gu’n robh Tìr-iodh mar gu’n robh e ’g éirigh as an fhairge. A nis, tha Tìr-iodh cho ìosal gu’m bheil e duilich a thogail ri sìd mhaith shoilleir; mar sin chuir e iongantas orm na ceithir cnuic ìosal fhaicinn cho dealbhach. “Seall, a Bheitidh!” ghlaodh mi, “tha Tìr-iodh ag éirigh as an fhairge!” “Mise ’n diugh!” arsa Beitidh, “am faic thu na tha de sgeirean ag éirigh aig oir a’ chuain, agus na tonnan geala m’an timchioll?” Am feadh a bha sinn a’ coimhead orra thòisich uidh-air-n-uidh coltas an eilein ri bhi air a dhealbh ’na sheasamh air a cheann anns an speur, thairis air an fhìor eilean. An sin uidh-air-n-uidh mar a thàinig a, bhris e suas, agus chaidh e as; agus aig a’ cheart àm dh’fhalbh na sgeirean as an t-sealladh, agus bha Tìr-iodh cho ìosal ’s a bha e riamh. “Ciod is ciall da so?” thuirt mise le uamhas. “B’fheàrr leam fhéin gu’n robh a’ bhanais thairis!” arsa Beitidh. [TD 58] Dh’fhalbh sinn dachaidh; agus chaidh Beitidh leam gu Cnoc-Mhaolagain. Dh’fheuch sinn an drùghadh a rinn an sealladh oirnn a thilgeadh dhinn; ach thug mo mhàthair an aire nach robh sinne uile-gu-léir cho cridheil ’s a bu chòir do mhuinntir bainnse a bhi. Dh’innis sinn dith an sealladh a a chunnaic sinn ’nar seasamh air an tràigh an I. “So, a dhuine,” ars’ i ri m’athair, a tháinig a stigh le bràid a bha e ’dol a chàradh, “an cluinn thu ciod a tha na h-ingheanan so ag ràdh?” agus dh’innis i dha an sgeul a bh’ againn á I. “B’àill leam fhein gu’n robh a’ bhanais thairis!” thuirt Beitidh a rithis. “B’fhearr leamsa sin cuideachd,” fhreagair m’athair le fiamh-ghàire, “ach ’s ann a chionn gur fìor chomharradh stoirm a chunnaic sibh. Tha fèith mhòr againn anns na làithean so; ach an uair a bhriseas air an t-sìd thig gaillionn gur ainneamh a leithid Ach tha sinn an laimh ar cruithfhear.” Mar so chaidh an gnothuch seachad. Air a shon sin, rinn e uibhir dhrùghaidh air m’athair, agus air Iain Gobhainn, gu’n d’rinn iad gach sìon ullamh, los nach biodh grabadh ’san rathad, gu muinntir fhaighinn sàbhailte dhachaidh na’n tigeadh briseadh air an t-sìd. Ach chaidh gach ni gu réidh air aghart, agus aig an aon àm bha ’ghaillionn a’ bagradh ’s a’ dlùthachadh. Mu dheireadh bha ’m pòsadh thairis, agus bha a’ chàraid òg le buidheinn de na càirdean deas gus an rathad a ghabhail gu Grìobunn. Chaidh na beannachdan ’s na guidheachan matha fhàgail air gach taobh. An uair a thill Iain a dh’ionnsuidh an doruis far an robh ar màthair ’na seasamh, rug e air làimh oirre, agus chaidh iad a stigh do’n tigh. “Ciod a dh’fhairich thu, Iain?” dh’fharraid mo mhàthair. “A Mhàthair,” ars’ esan, a’ toirt dheth a bhoineid ghorm, agus a’ cromadh air thoiseach oirre, “ged a tha mi ’falbh gu sona riaraichte dhachaidh, tha mulad orm ’ur fàgail: thoiribh dhomh ’ur beannachadh!” [TD 59] “A Mhic,” fhreagair a mhàthair le ’sùilean làn, agus a’ làmh air a chamagan dubha mar gu’m bu ghiullan e, “tha mo beannachadh agad daonnan. Thoir t’ uan geal dachaidh, as a nead glan; agus gu ’n robh beannachadh an Tighearna agus mo bheannachd-sa agaibh a ghnàth.” Mar so dhealaich iad. Chaidh na càirdean leò a dh’ionnsuidh an doruis aca, agus dh’fhalbh gach aon d’a thigh féin. An sin bhris an doinionn. Aig feasgar an ath latha thàinig Dòmhnull Mac’Ill’-eathainn, aon de choimhearsnaich Iain, á Grìobunn thun an doruis againn. “Thigibh a stigh, thigibh a stigh; ’s e ’ur beatha tighinn!” ghlaodh m’athair gu cridheìl. “Am faca sibh Iain is Raoghnaild an diugh!” ghlaodh mise. Ach dh’fhan an duine ’na thosd. “Ciod a th’ air tachairt?” dh’fharraid mo mhàthair le ciùinead, ged a bha ’n iomagain ’na sùil. “An uair a dh’ éirich sinn an diugh, ’s a chaidh sinn a mach, chunnaic sinn gu’n do thuit meall mòr a nuas o’n chreig——” “C’àite?” bhris o bhilean Ghilleasbuig. “Air tigh Iain.” “Ach ciod e sin ma tha iad fhéin sàbhailte. Ciod a thachair riu fhéin?” dh’fhoighnich ar màthair. “’S ann feadh na h-oidhche ’thachair do’n mheall tuiteam,” fhreagair Dòmhnull. Cha robh feum air tuilleadh a ràdh? Chaidh fios a chur air a’ mhinistear a phòs a’ chàraid òg. Rinn sinn a réir a chomhairle. Mhair an stoirm trì làithean. Thàinig fèith anabarrach ’na dhéigh. Bhoillsg a’ ghrian a mach gu h-àillidh. Thrus an dùthaich còmhla a chum seirbhis an tiodhlacaidh. Thàinig an sluagh ’nam buidhnean o gach ceàrn, leis a’ phìob air an ceann. Cha bu lugha na naoi no deich pìobairean a sheas am meadhon an t-sluaigh air an latha sin; agus an uair a dhùisg iad [TD 60] mac-talla a’ ghlinne le “Cha till, cha till, cha till mi tuilleadh,” theirteadh gu’m b’iad guth bròin nam beannta ’s a’ chuain—seadh na gréine féin—a’ caoidh an dithis nach tilleadh gu bràth a chur aoibhneis air cridheachan na muinntreach a dh’ fhàgadh as an déigh. Labhair am ministear o na briathran, “Bha iad gràdhach agus taitneach ’nam beatha; agus ’nam bàs cha do sgaradh iad.” Cha robh sùil thioram anns a’ chomh-chruinneachadh mhòir sin; agus dh’fhàg sinn Iain agus Raoghnaild an sin, far an d’ adhlaic an Tighearna iad. Bho’n latha sin gus an diugh ’s ainm do’n mheall cloiche sin “Clach na Lànain”: ’s e sin Clach na Càraid Oig. [TD 61] RAOGHULL AGUS EILIDH. SGEUL MU THIGH ACHATRIOCADAIN. BHA’N oidhche ’tuiteam air Gleann Comhann. Ged a bha na cuitheachan sneachda shuas air mullach nam Meall, agus an lagain nan sgòr, bha Comhann a’ ruidhleadh ’n a caoir, agus bha na still bhàna ’bàirich o gach càrn. Bha siantan nam faoilteach-earraich a’ sguabadh a nuas o na bràigheachan; bha ’m Bidein mar eilean ’s an speur, air a chuartachadh le neòil. Am beul na h-oidhche thàinig Sagart Dubh na Còmraich gu Tigh Achatrìocadain. Fuar ged a bha ’n t-sìd, bha na dorsan fosgailte. Sheas an sagart car prioba air an stairsneach, a’ gabhail beachd air an t-sealladh fa ’chomhair. Air taobh thall teallach farsuing ceann shios an tighe bha dithis shaighdear ’nan suidhe ’g an garadh. Air an taobh ’bhos, le ’chùlaobh ris, bha Raoghull, bràthair fear-an-tighe. A mach ’s a stigh air a’ bhealach eatorra, bha nighean an tighe a’ dol ’s a’ tighinn, am feadh a bha bean an tighe a’ cur ìm is arain air a’ bhòrd, ’g a ullachadh air son na suipeir. Bha sunnd is seanachas a’ dol air aghart. Bha fàile cùbhraidh sìthne ròiste tighinn a mach air anail bhlàth a’ chitsein, aig ceann an tighe. Chunnaic an sagart so uile ’m prioba na sùla. Chual’ e, aig a’ cheart àm, guth fear-an-tighe anns an t-seòmar aig a làimh dheis, a’ còmhradh ri cuideiginn. Chual’ e, mar an ceudna, guth nan gillean a bha muigh a’ biadhadh na [TD 62] feudail, agus luinneag na banaraich a’ tòiseachadh air a’ chrodh a bhleodhainn. Sheas an sagart mar ’an eadar-chomhairle, ach air do Idir, cù-seilg Raoghuill a cheann a thogail, agus gnòdhan sanuis a thoirt, chaidh e stigh leis an fhàilte, “Sìth gu’n robh air an tigh so!” Thionndaidh gach aghaidh an rathad a bha’m fear taghail. Thàinig bean-an-tighe air aghart, agus rinn i ’bheatha gu suilbhre: dh’ éirich Raoghull agus, an déigh fàilte ’chur air, thuirt e, “Nach fheàrr dhuibh dol do cheann eile ’n tighe?” agus threòraich e ’n sagart a dh ’ionnsuidh an t-seòmair. ’San trannsa bhean an sagart do ghualann Raoghuill, ag ràdh os ìosal, “Dean cothrom dhomh bruidhinn riut fhéin no ri d’ bhràthair air leth bho chàch,” agus chaidh iad a stigh do’n t-seòmar. “Fàilte! Fàilte!” ghlaodh Fear Achatrìocadain, a ghnùis a’ lasadh le aoibh, air dha fhaicinn cò bh’ann; “Thigibh air ’ur n-aghart agus thugaibh dhuinn ’ur naigheachd. Cha chum fuachd no gaillionn sibhs’ aig an tigh!” agus rug e gu faoilidh air làimh air an t-sagart. “Sith gu’n robh air an tigh so!” ars’ an sagart, mar air a cheud tighinn a stigh. Thug oifigeach airm a bh’ air taobh eile ’bhùird sùil bhiorach air, agus thàinig rudeiginn de athadh ’na ghnùis, air dha sealladh geur, calma ’n fhir eile ’choinneachadh. Nì air do fhear-an-tighe fhaicinn, bhris e mach gu suilbhir ris an oifigeach, “’S e so mo dheagh shean charaid Iain MacRath, sagart na Còmraich,” agus a’ tionndadh ris an t-sagart thuirt e:—“S e so mo charaid ùr, an ceannard Barbour; tha e ’n a thoileachadh leam ’ur cur ’an eòlas air a chéile.” Thug an dà dhuin’-uasal aomadh air an ceann, ach cha d’rug iad air làimh air a chéile. “Deanaibh suidhe,” arsa fear-an tighe, a’ tarruing suidheachan a chòir a’ ghealbhain “is innsibh ’ur naigheachd. Tha fad’ an t-saoghail o ’n a bha sibh an so roimhe.” Ach sheas an sagart far an robh e. [TD 63] “Dh’ fhaoidte gu’m b’ fheàrr leibh tighinn agus aodach tioram fhaotainn oirbh?” arsa Raoghull. “Bhiodh ùin agaibh sin a dheanamh mu ’m bi am biadh ullamh.” “Ar leam gu’m biodh e iomchuidh dhomh mi féin a chur an uidheam na ’s ceanalta mu ’n suidh mi aig an aon bhòrd ri oifigeach an Rìgh,” fhreagair an sagart. “Tha na bhios de aodach a dhìth orm ann am mhàileid.” “Thigibh an rathad so matà,” arsa Raoghull, “théid sinn a null do ’n tigh agamsa, oir tha mnathan an tighe so trang an nochd.” Dh’ fhàg an dithis an seòmar, agus threòraich Raoghull Athair Iain gu ’fhàrdach fhéin, a bha dlùth làimh. Cha luaithe ’bha iad taobh stigh an doruis na thuirt an sagart le cabhaig, an guth ìosal, “Rach mu’n cuairt an tighe, agus dean cinnteach nach ’eil creutair beò ag éisdeachd; bidh mise deas air do shon, an uair a thig thu stigh.” Gun cheisd a chur, rinn Raoghull mar a dh’iarradh air; thill e ’s chur e ’n crann air an dorus. Bha Athair Iain a’ feitheamh air, agus bha Eilidh, a bhean òg. air breacan a sgaoileadh thairis air an uinneig. Thàinig an dithis agus shuidh iad, aon air gach taobh do ’n t-sagart, agus dh’ fheith iad le iomaguin ciod a bh’ aige ri ràdh riù. Chuir e làmh air gualann gach aoin, agus thuirt e, fo ’anail, “A chlann, cha’n’eil ùine ri chur seachad; tha droch rùn d’ ur taobh an inntinn luchd an airm a tha ’n ’ur measg; tha cunnart éiginn ’g ar bagradh; bithibh air ’ur n-earalas; feuchaibh ri sibh fhéin agus teaghlach ’ur bràthar a dhìon.” “Ciod e an cunnart anns a’ bheil sinn?” dh’fheòraich Raoghull. “Sin cha’n urrainn domh ’ràdh le cinnt; ach gu’m bheil an cunnart ann, tha mi fiosrach.” “Tha iad ag itheadh ’s ag òl aig an aon bhòrd ruinn; ciamar a thogadh iad làmh ’n ar n-aghaidh ’n déigh sin?” [TD 64] “Eisd rium, a Raoghuill. Bha mi ’n diugh fhéin an Tigh a’ Ghlinne le d’ fhear-cinnidh. Tha Alasdair, a mhac, làn amharuis nach ’eil nithe mar bu chòir. Tha e fèin agus Iain am beachd èaladh an nochd air an fhreiceadan, agus brath fhaotainn air ciod a tha ’n am beachd. Air mo rathad a so, choinnich mi MacEnric. Dh’innis e dhomh gu’n d’ thug an saighdear cneasda ’tha ’na thigh-san a mach e ’n diugh, an déigh mheadhon-latha, far am bheil clach mhòr ghlas, air am b’ àbhaist daibh suidhe. Thuirt e ri Mac Enric éisdeachd ris na theireadh e ris a’ chloich;—‘A chloich ghlais a tha ’s a’ ghleann, is math do chòir air a bhi ann; ach na ’m biodh fios agad mar a tharachras an nochd, cha’n fhanadh tu ann’—Ciod a their thu ris a sin?” “Tha so da-rìreadh oillteil,” arsa Raoghull, “agus sinn gun airm. Chuir sinn ar n-airm am falach air eagal gu’n rachadh an toirt uainn.” “Tilleamaid co-diùbh,” ars’ Athair Iain; “agus na leigeamaid ris gu’m bheil nì air ar n-aire, ach mar is coitcheann. Feumaidh mise falbh cho luath ’s a bhios an t-suipeir thairis. Cuir thusa do bhràthair ’s a ghillean air an earalas.” “A Raoghuill, na fàg mi!” ghuidh Eilidh, le geilt ’n a gnùis. “Tha eagal orm gu’n tachair dad riut.” “A ghaoil,” arsa Raoghull, “’s ann a tha eagal orm-sa do thoirt leam. Cuiridh mi Beitidh nall gus an till mi, fanaidh mi ’n sud gus am faic mi ciod a ghabhas deanamh.” “Cha ghluais iad gus am bi ’n t-suipeir thairis co-dhiubh. Tilleamaid mu’n gabh iad amharus dinn,” ars’ an sagart; agus dh’ fhalbh an dithis fhear a mach. Air tilleadh do Raoghull gu tigh a bhràthar le ’chompanach, bha ’n t-suipeir deas, agus chaidh an teaghlach gu h-iomlan a ghairm thun a bhùird. Chuir Raoghull Beitidh, nighean a bhràthar sìos a chumail cuideachd ri Eilidh gus an tilleadh e; oir bha e ro-thoileach fuireach gu faire ’chumail air na [TD 65] chitheadh ’s a chluinneadh e. Ach ciamar ’sam bith mar a thachair e, cha robh sunnd no cridhealas aig a’ bhòrd mar a b’ àbhaist. Cha robh a’ bheag aig duine ri ràdh, agus bha e ’n a fhaochadh ’n uair a fhuair iad éirigh agus a sgaoil a’ chuideachd, gach aon a’ gabhail a rathaid fhéin. Cha robh a mhiann aig duine dol ro fhad o ’n tigh, oir bha ’n oidhche doirbh. Lìon toirm nan uisgeachan agus srann na gaoithe ’n gleann le fuaim. Shuidh cuid aig a’ ghrìosaich; am feadh a thionndaidh fear-an-tighe gu dol le Barbour agus MacRath do’ n t-seòmar. Dh’ éirich tathunnaich obann a muigh am measg nan con. Bhuail cuideiginn gu smachdail air an dorus. Bha dithis shaighdear an sin, a thàinig le litir o Chaiptein Caimbeul a dh’ ionnsuidh a Cheannaird. Mar sin, chaidh na teachdairean a ghairm do’ n t-seòmar, agus thionndaidh fear-an-tighe le MacRath a stigh gu seòmar beag eile, anns an robh bòrd-sgrìobhaidh, agus leabhraichean; a’ taisbeanadh gu ’n robh foghlum agus oilean thairis air a’ chumanta aig an duine d’ am bu leis iad. Thàinig Raoghull a stigh ’n an déigh. Am beagan fhacal, chuir Iain MacRath fa chomhair Fear Achatriocadain an cunnart a bha’n crochadh thairis air féin ’s air a theaghlach. Cha ghabhadh e stigh e:— “Nach faic sibh,” thuirt e, a’ toirt litir ás a phòca, “gu bheil litir-dìdein agam o làimh Choirneal Hill; cha bhris an saighdear urramach ’fhacal. D’am thaobh-sa tha gach cùis an deagh òrdugh; ghabh mi aig gach puing feumail gu teann, cinnteach.” “Faodaidh Coirneal Hill a bhi onoireach gu leòir,” ars’ an sagart, “ach tha fios agaibh cho cuireideach, sleamhain, ’s a tha ’n Caimbeulach; ’s ann o’n taobh sin a tha’n cunnart ’g’ur bagradh; agus tha mi guidhe oirbh gun a bhi tuilleadh ’s earbsach.” “Cha dean e coire faicill a ghnàthachadh,” arsa Raoghull. “Tha thu ceart a sin, a Raoghuill, ach ciod a tha ri ’dheanamh? Cha’n’eil ar n-airm aig làimh, agus cha’n [TD 66] iarradh tu oirnn am monadh a ghabhail am feadh nach ’eil aobhar mi-thlachd aig aon neach ’n ar n-aghaidh.” “Cuireamaid na gillean air an earalas; cuireamaid faire fhurachail; dìonaidh sinn sinn féin mar a dh’ fhaodar, agus,—ma thig e gu sin,—teichidh sinn,” fhreagair Raoghull. “Bidh mise ’fàgail beannachd agaibh a nis,” arsa ’n sagart; “am bheil nì air bith is urrainn domh ’dheanamh air ’ur son? Ann an toirt rabhadh dhuibh rinn mi na ’s urrainn domh gu bhur tèarnadh.” Dh’amhairc Fear Achatrìocadain an aodann na dithis; anns an robh iomaguin air a chomharrachadh gu follaiseach: Rinn an sealladh drùdhadh air. “Am bheil a’ chùis da-rìreadh cho cudthromach?”—thuirt e, “Ma tha, ni mi ’n uibhir so de dheasachadh roimh-làimh;—bheir mi dhuibh paipeirean sonruichte ’tha luachmhor leam. Gleidhidh sibh iad gus am faic sinn mar a bhitheas.”—Dh’fhosgail e, air so a ràdh, seotal dìomhair anns a’ bhòrd-sgrìobhaidh, ás an d’thug e dorlach phaipeirean. Phaisg e agus cheangail e suas iad, agus an déigh an seulachadh chuir e iad an làmhan a charaid ag ràdh;—“Ma théid gu math dhuinn gheibh mi air an ais iad; ma ’s olc a théid leinn ni iad feum dhaibhsan a thig ’am dhéigh.” Chuir an sagart na paipeirean ’na bhroilleach; ghabh e ’chead de’n dà bhràthair; dh’fhàg e beannachd aig càch a bha’n ceann eile ’n tighe, agus dh’fhalbh e air a thurus. Thill Raoghull d’a thigh féin, agus an ùine ghoirid bha sàmhchair thairis air gach fàrdaich, ged a bha ’n stoirm a’ beuchdaich a muigh. **** Bha Raoghull is Eilidh leo fhéin, oir bha Beitidh air dol dachaidh. Cha do chuir aon de’n dithis an aodach diubh ged a laidh Eilidh sìos, am feadh a rinn Raoghull faire. Mu chòig uairean ’s a’ mhadainn chual e urchair. Dh’éisd e. Aon uair, dà uair, trì uairean thàinig na h-urchairean an [TD 67] déigh a chéile. Leum Raoghull gu taobh a mhnatha. “Eilidh, a ghaoil, seas a mach air a’ chnoc ach gus an toir mise sanas do chàch! Greas ort!” Ruith e gu tigh a bhràthar, agus bhris e stigh do’n chitsein far an robh na fir uile air an cois cheana, ’n an suidhe mu’n cuairt an teine. “Teicheamaid!—Cha ’n eil ùine ri chall!”—Mu’n gann a bha ’m facal ás a bheul sprèadh tàirneanach nam musg air an cinn, agus bha Raoghull fathast ’n a sheasamh beò. “O, cuiribh ás domh taobh a mach an tighe!” dh’asluich e air a cheannard. “Dh’ ith mi aig do bhòrd,” fhreagair Barbour, mar sin cha dhiùlt mi do ghuidhe!” agus thug e òrdugh d’a dhaoine Raoghull a thoirt a mach. Chual e ’n sgread a thug Eilidh. Dh’fhuasgail e ’bhreacan, thilg e thairis air cinn nan saighdear e, agus am prioba bha e ás an t-sealladh ’s an duibhre. Thog e Eilidh ’n a ghàirdeinean, agus theich e suas rathad an Innein. Leum na saighdearan as a dhéigh, ach leum aig a cheart àm Idir, an cù-seilg aig Raoghull, ’nan amhaichean, is chum e ’g an sàrachadh gus an robh e dìomhain daibh feuchainn ri Raoghull a leantuinn ’s an dorchadas air slighe air an robh iad aineolach. Dh’fhalbh an sin am madadh dìleas ás déigh a mhaighstir. Bha gaoth is glìb an aghaidh Raoghull a’ dol suas an t-uchdan, ach chuir an cruaidh-chàs neart anns gach féith. Cha d’fhairich e ’n uallach ghaolach a bha e ’giùlan gus an d’ruig e’m bràigh, far am bheil an rathad a’ fàs còmhnard. An sin chuir e Eilidh air a casan. Ghabh iad air an aghart mar a b’fheàrr a dh’fhaodadh iad. Aig an àirde air an robh iad a nis bha ’n sneachd tioram, air a’ ghaoith reòdhta ’bha ’spùtadh a nuas troimh na beallaichean, ’g an sgiùrsadh, agus bha solus glas fann na fàire a’ toirt uapa còmhdach càirdeil an dorchadais. Leig e ris, mar an ceudna, na beanntan mu’n cuairt orra. [TD 68] O, a Bhuachaillean Eite, thug sibhse dìon agus fasgadh fuar air an latha sin do iomadh aon de ’n treud a bh’air a thoirt a suas do ’n luchd-casgraidh! ’S iomadh aon air an do thilg sibh cirb d’ur n-éideadh geal mar léine-bàis dhaibh! Bha Raoghull a’ breithneachadh ciod bu chòir a dheanamh. “Eilidh,” ars’ e mu dheireadh, “le solus latha faodaidh an tòir tighinn air ar lorg. Tha lagan os cìonn Allt-na-féidh far am faigh sinn àite-falaich gus am bi e tèaruinte dol na ’s fhaide. Feuchaidh sinn tigh d’ athar a ruigheachd, agus chì sinn an sin ciod a ni sinn.” Chaidh iad bhàrr an rathaid, Raoghull an dràsd ’s a rithis a’ giùlan a mhnatha thairis air na h-àiteachan doirbh. Rinn iad còsan fo bhruaich, air cùl cuithe sneachd. Bha’m balla sneachd eadar iad agus an nàimhdean; am feadh a bha acasan cothrom air brath a ghabhail air neach ’sam bith a thigeadh a stigh do’n lag. Bha’n comas so aca tre thuillein a rinn Raoghull le bioran. Cha robh dìth air blàths no fasgadh; oir bha Idir a stigh leo, agus bha e cho math ri plaide, latha ’sam bith. Bha iad greis ùine ’s a’ chòsan, agus bha Eilidh air tuiteam ’na cadal, an uair a thog Idir a cheann, agus bhioraich e ’chluasan. “Cum sàmhach!” arsa Raoghull ris, a thoirt sùil troimh an toll-amhairc. Chunnaic e duine ’tighinn le ceum ealamh o thaobh eile ’n lagain. Bha rudeiginn aige ’g a ghiùlan fo chleòca. Ged a bha e liath le sneachd, dh’ aithnich Raoghull gu’m bu shaighdear e. Gun teagamh bha e ’sireadh àit uaigneach, gu creach éiginn a chur am falach. Thug e ’n aire do aile nan cas air an t-sneachd; rannsaich e le ’shùil am balla geal m’a thimchioll, ach duine cha robh ri fhaicinn. Thàinig e ’s shuidh e air tom fo ’n chòsan. Bha le Raoghull gu’n cual’ e glaodh leinibh. Dh’ éisd e gu dil, A rithis chual’ e guth leinibh ag ràdh,—“Mamaidh! mamaidh!” agus an sin guth an t-saighdeir [TD 69] ag ràdh—“Cum thusa sàmhach, a laochain, agus gheibh mise brochan duit; ach ma bheir thu bìd asad, thig an droch-fhear agus bheir e leis thu. Caidil, a laoigh, agus gheibh thu’m brochan an uair a dhùisgeas tu.” “Eilidh!” arsa Raoghull ’n cagar, “feuch cò tha so!” agus dh’innis e dhi na chual’ e. Thug i sùil a mach:—“’S e sin an gille beag aig banntrach Alasdair Bhàin. “Saoil thusa ciod a tha’n saighdear a’ dol a dheanamh ris?” “Cha ’n ’eil cron air bith co-dhiùbh. Chuala mi gu’n robh ’m pàisdein cho toigheach air an t-saighdear a bh’air a shuidheachadh ’s an tigh nach bu nì leis ach Dorset, ’s e sin is ainm da:—Bruidhneamaid ris,” “Am biodh e tèaruinte?” “Nach ’eil fios gu’m bi, ’s e cho laghach ris an leanabh.” “Dh’fhaodadh e innseadh dhuinn mar a chaidh do mhuinntir eile ’ghlinne,” arsa Raoghull, agus chaidh e sìos far an robh Dorset. Bha Eilidh ceart mu’n t-saighdear. Cha’n e mhàin gu ’n d’ thug e forthais dhaibh air cor an càirdean ’s an luchd-dàimh, ach dh ’innis e dhaibh gu ’n robh Hamilton, le ceithir cheud saighdear, air an rathad gu na bealaichean aig ceann a’ glinne ’chumail, los nach faigheadh anam dhiùbh teicheadh, agus mur bhiodh gu’ n do chum an t-sìd dhoirbh air ais e nach robh a h-aon diùbh a rachadh ás. “Tha mise, mi-féin a nis an cunnart mar a tha sibhse,” arsa Dorset, “a chionn gu’ n do shaor mi ’n leanabh so; agus c’àit an téid mi ’n nochd leis cha ’n fhios domh.” “Thig thu còmhladh ruinne,” arsa Raoghull is Eilidh le aon ghuth. Agus dh’ innis iad mar a bha iad a’ cur rompa dol thar a’ mhonaidh gu tigh athar Eilidh cho luath ’s a bhiodh an latha goirid thairis. “Ach ciod a ni mise leis a’ ghiullan, bidh e glaodhaich an acrais cho luath ’s a dhùisgeas e?” dh’ fheòraich Dorset, “Agus ma bhios còta-dearg mar astar dhuinn, cluinnidh e ’n glaodh, ’s mo thruaigh sinne!” [TD 70] Mar sin rinn iad an oidheirp, tre iomadh cuairt is frith-rathad dol na b’ fhaide air aghart. Air an rathad, dh’ innis Dorset d’ a chompanaich mar a shaor e ’m balachan o bhàs. Ars’ esan,—“Bha saighdear eile leam, agus an t-oifigeach a thug an t-òrdugh. Cha robh fios aig an oifigeach cho toigheach ’s a bha mi air an leanabh, agus b’ ann ormsa ’thàinig e cur ás da. Thug mi leam a mach e ann am chleòc; mharbh mi ’n cat, ’s leig mi fhaicinn mo chlaidheamh leis an fhuil air.” “C’ àite bheil do chleòca?” dh’ fheòraich an t-oifigeach. “Tha e muigh,” fhreagair mi. “Thoir a stigh e, ’s leig dhomh ’fhaicinn,” ars’ an t-oifigeach. “Le aon bhuille cuimseach do gach fear dhiùbh, leag mi gu talamh iad, leum mi ’mach, sgioblaich mi leam an cleòca ’s theich mi nìos an gleann, agus ’s aithne dhuibh an còrr.” “Och,” ars’ an saighdear còir, “’S mise ’ruith gu toileach o’n obair ghairisneach a bha sud! Thug e misneach is lùth dhomh teicheadh, gu’ n robh dithis de na h-oifigeach a dhiùlt ùmhlachd do’n òrdugh na daoine ’mhort. Thug iad am bòid do Mhac Iain an uair a thàinig iad, gu ’m b’ann mar chàirdean, agus nach robh dochann ri dheanamh airsan no air a chuideachd. Chum iad am facal da, agus a nis chaidh an cur an sàs air son eas-ùmhlachd a thoirt do ’n òrdugh nàrach. “Seadh!” arsa Raoghull, “bha na daoine sin fiachail an da-rìreadh.” “O, nach mi ’tha taingeil a chluinntinn gu ’m bheil cuid ann le iochd ’n an com; gu ’m bheil eadhon aon no dhà ann a tha teò-chridheach!” ars’ Eilidh. ———— Bha ’n oidhch’ air tuiteam mu’n d’ràinig iad tigh athar Eilidh. Fhuair na fògaraich an deagh ghabhail aca, le biadh is blàths. Air an dara latha, an déigh dhaibh fois mhath fhaotainn, thuirt Dorset ri Raoghull:— [TD 71] “Tha eagal orm fantainn na’s fhaide ’n so. Thig iad air mo thòir; chuir mi mo bheatha ’n geall; cha ’n ’eil tèaruinteachd an so dhomh. Ciod a tha sibhs’ am beachd a dheanamh?” “Cha ’n ’eil fios agam gu ro mhath,” fhreagair Raoghull. “Tha mo bheatha-sa mar an ceudna ’n cunnart; mur bhiodh Eilidh cha ’n fhanainn ’s an dùthaich; rachainn do ’n Fhràing, car ghreis co-dhiùbh.” “Tha mo phàrantan-sa ’an dòigh mhath ’an taobh deas Shasuinn,” arsa Dorset. “Ciamar a fhreagradh e leibh tighinn air aoidheachd g’ an ionnsuidh gus an dean sibh ’ur n-inntinn a suas mu ’n Fhràing? Tha mise dol a dh’ fhàgail a’ ghille bhig so f’ an cùram.” Chuir Raoghull an tairgse ’thug Dorset, an làthair Eilidh agus a pàrantan. Dh’ aontaich iad ris gu toilichte, agus ghabh a’ chuideachd a thuit air a’ chéile air dòigh cho iongantach, an turus gu Sasunn còmhladh. ’San àm iomchuidh ràinig iad Barnstaple, am baile far an robh pàrantan Dorset a’ fuireach. Sèa seachduinean ’n a dhéigh sin, bha aoibhneas mòr anns an tigh sin. Bha naoidhean òg an uchd Eilidh. Chaidh a bhaisteadh fo ’n ainm Iain, air sgàth Iain Mhic Rath, air sgàth an t-sean Cheann-cinnidh, agus air sgàth Ghlinne Comhann. B’e aon de shliochd an naoidhean sin a dh’ innis an naigheachd dhomhsa, o chionn trì bliadhna ’s còrr, is tha mi ’nis ’g a innseadh dhuibhse. [TD 72] IAIN CIAR AGUS AN ROBAIR. DE na h-uile naigheachd bhòidheach a b’ àbhaist do m’ Sheann-mhàthair innseadh dhuinn, nuair a bha sinn ’n ar cloinn,—agus b’ iomadh té ghrinn a bh’ aice—cha robh a h-aon air an robh sinn cho toigheach ri naigheachd Iain Chiair. Bha i airidh, ’n ar beachd-ne, ri a bhi air a cur taobh ri taobh le eachdraidhean a’ Bhiobuill. ’S maith a tha cuimhn’ agam fathast air a’ cheud uair a chuala sinn an eachdraidh sin. B’ ann air feasgar deireadh an fhoghair a bha e. Bhris an làtha gu dubhach, gruamach, agus an déigh mheadhon là, an uair a bha ’n làn a’ tighinn a stigh, dh’ éirich a’ ghaoth, dh’ fhàs an loch dubh ann am prioba, thainig na neòil dhorcha ’n an sgaoithean thar na Morbhairne an còmhdhail nam baidealan a bha ’snàmh os ceann na Beinne Bric, na frasan garbh a’ sguabadh a nuas ’nan lùib. Choinnich na neòil dìreach os cionn an t-srath, ’s mur ann a sin a bha ’n sadadh ’s an sracadh, mur ann a sin a bha ’n toirm ’s an tein’-adhair! Mac-talla nam beann, mar gu ’m b’ eadh, ’g am brosnachadh, agus na tuiltean ruadh a’ teàrnadh ’n an steallaibh a dh’ ionnsuidh nan tonn a bha ’beuchdaich a nìos, ’s ’g am briseadh fhéin ’n an caoir air a’ chladach. “B’e sud an rud a thogadh fonn” cho maith ri “Crònan na Linne Muilich.” Ach, mo thruaigh, a’ choille a bha cho àillidh gus a nis! Bha am beithe ’s an t-uinnseann air dhath an òir, bha na craobhan caorainn mar [TD 73] lasair am measg a’ challtuinn, bràigh a’ ghlinne, ach cha bhiodh duilleag air fhàgail air géig dhiubh; cha bhiodh againn ach an giuthas ruadh stàideil, ’na chleòca tiugh gorm uaine, gu a cheann a thogail is dùlan a thoirt do shiantan a’ gheamhraidh. Mo thruaighe, cuideachd, na caoirich bhochda! Cha robh creag air an t-sliabh a bheireadh dhoibh fasgadh o ’leithid de dhìlinn! Air son a’ chruidh, ge stolda, ciùin an giùlan ’an coitcheannas, aig a’ cheud bhuille tàirneanaich a thàinig, ’s ann a thilg gach té dhiubh a h-earball ’s an adhar, mar bhratach, agus a nuas am monadh ghabh iad, cho eutrom ri buidheann laogh, ’s cha do stad iad gus an robh na h-uile té riamh gu sàbhailte ’na buaigheall. Bha sinne gu seasgair, blàth, anns an t-seòmar againn, ar màthair trang a’ fuaigheal, agus an t-sean-mhàthair a’ figheadh stocainean. Bha ’n stoirm a’ sìoladh, ’s bha sinn sgìth ag amharc a mach air an uinneig, a chionn nach robh nis a’ bheag tuilleadh ri fhaicinn ach an t-uisge a’ tuiteam air an asbhuain. Chaidh Raoghnull beag ’s fhuair e furman, ’s air suidhe dha aig glùn a shean-mhàthar—mar a bu tric dha-san e—dh’iarr e oirre naigheachd innseadh. Air so a chluinntinn, chruinnich càch againn ’n ar cròileagan m’a timchioll, a’ feitheamh na bha ri tighinn. “Dh’ innis mi dhuibh na h-uile naigheachd a bh’ agam!” ars’ an t-sean-mhàthair. “Innsibh dhuinn mu Dhonnacha Caimbeul” ghuidh Deòrsa. “Tha fhios agaibh air a h-uile facal m’a thimchioll cho math ’s a th’ agam fhéin!” Innsibh mu’n mhsaranta-paca, a fhuair iad anns a’ bhac-mhòine,” thubhairt Maisi. “Huts! An naigheachd ghrànnda, ’s iongantach leam fhéin a dh’ iarradh sibh a cluinntinn a rithisd!” Chunnaic ar màthair mar a bha, ’s mar a rachadh e leis an fhuaigheal aice-se mur a faigheamaid ar sàsuchadh; [TD 74] smèid i air Maisi, agus chuir i cagar ’n a cluais. A nall thainig Maisi le farum, gu misneachail— “Innsibh dhuinn mu Iain Ciar! Cha chuala sinn riamh a naigheachd-san.” Rinn an t-seana-bhean snodha gàire, ’s thug i mìog-shealladh a nunn air an té a bh’ air taobh thall a’ bhùird,—mar gu’n abradh i, “Tha fhios agam cò ’chuir sin ’n ad cheann, agus cò a shaoileadh e!” Ach gun tuilleadh dàil, thòisich i air an naigheachd. “B’e Iain Ciar Triath Dhunola. Bha e ’na dhuine gaisgeil, agus b’ àbhaist do mhòran nithe ’bhi air an innseadh timchioll air. Anns a’ bhliadhna 1715, an uair a thug Seumas Stiùbhard ionnsuidh air rìgh-chathair ’aithriche fhaotainn air ais dha fhéin, bha Iain Ciar air a tharruing a stigh ’s a’ ghnothuch. Chaidh an éirigh a chur fodha, agus, mar a thachair do iomadh duin’-uasal eile aig an àm sin, chaidh ’oighreachd thoirt uaith, agus binn fògraidh a thoirt a mach ’n a aghaidh. Cha robh dòigh eil’ aig’ air, ach teicheadh as an rìoghachd cho luath ’s a bha ’n a chomas. Cha b’ urrainn da faighinn a chòir aon d’a luchd dàimh, agus fhuair se e fèin anns a’ chàs so gun sgillinn airgid aige ach na dh’ fhoghnadh gu e féin ’s a’ ghille, fear de mhuinntir Mhic-an-Léigh, a thoirt thairis a Ceann-tìre gu Eirinn. B’e a bha ’n a bheachd tadhal air Iarl Anntruim, a bha de shliochd Chloinn Domhnuill Chinntìre, agus a bha ’an dlùth-chàirdeas ri Iain Ciar. Bha e cinnteach nach robh aige ach an coingheall iarraidh agus bheireadh an t-Uasal sin uibhir airgid dha ’s a bha feum aige air. Fhuair e féin agus a ghille thairis air a’ mhuir gu sàbhailte, agus an déigh Eirinn a ruigheachd chaidh iad air an aghart, gun bhacadh, gun dochann, gus an robh iad mar astar chòig mìle do Chaisteal an Iarla. Thàinig iad an so a dh’ ionnsuidh coille mhòir. Bha’n rathad-mòr a’ dol deich mìle mu’n cuairt do’n choille so, ach bha slighe ath-ghoirid ann, a’ dol dìreach troimhpe [TD 75] a chaomhaineadh dhaibh còig mìle. Bha Iain Ciar eòlach air an dùthaich; mar sin, gun fhacal thall no bhos, thionndaidh iad a stigh air an fhrith-rathad a bheireadh gun dàil iad gu ceann an slighe. Cha deachaidh iad ro fhad air an aghart an uair a chual’ iad cuid-éiginn air an cùlaobh a’ glaodhaich riù stad. Aig tionndadh dhaibh, chunnaic iad boirionnach a thàinig á tigh dlùth aig làimh, a’ ruith as an déigh. Sheas iad gus an d’ràinig i far an robh iad, agus an sin dh’innis i dhaibh gu’n robh i féin ’s an duin’ aice air an suidheachadh ’s an tigh sin a chum fios a thoirt do luchd-turuis, nach robh e gun chunnart am frith-rathad a ghabhail, gu sonruichte ’s an fheasgar, a chionn gu’n robh robair mòr, le a chuid chompanach, am falach anns a’ choille, deas gu greim a dheanamh air ni a b’ urrainn da ’làmh a leagadh air. Mar an ceudna, bha e mar fhiachaibh oirre innseadh dhaibh gu’n robh Iarl Anntruim a’ tairgseadh £1,000 sasunnach mar dhuais do dhuine ’sam bith a bheireadh d’ a ionnsuidh ceann an Robair. Dh’ éisd Iain Ciar gu furachail ris a’ mhnaoi gus an do sguir i bhruidhinn. Thug e tàing dhi air son an t-sanais a thug i seachad. “Ach” ars’ esan, “cha ’n ’eil a’ bheag againn ri chall; mar sin, feuchaidh sinn a’ choille ciamar air bith a théid dhuinn.” Air so a ràdh, chaidh an dithis fhear air aghart. Bha iad an geall air a’ Chaisteal a ruigheachd mu’n ciaradh am feasgar, a chionn bha iad glé sgìth; agus a thuilleadh air sin, cha do bhlais iad greim bìdh fad an latha. “’S ann a tha ’n deagh chothrom air a chur ’n ar rathad gu sinn fhéin a thoirt as a’ chàs so”; thuirt Iain Ciar. “Ma thachras oirnn an duais a bhuidhinn, cha bhi feum air coingheall iarraidh.” A’ còmhradh air an dòigh so, chaidh iad le dìchioll air aghart air an turus, a’ cumail sùl’ bhiorach mu’n timchioll fad na h-ùine. Bha iad air tighinn gu teis-mheadhoin na [TD 76] coille, a’ coiseachd gun smid a labhairt car ghreis, agus le chéile a’ tòiseachadh ri smuainteachadh gu’n robh an slighe réidh glan air thoiseach orra, an uair a chunnaic iad duine mòr àrd a’ tighinn ’nan coinneamh. Cha luaithe thug e ’n aire dhaibh na tharruing e ’n claidheamh a bha ’n crochadh ri ’thaobh, agus a’ seasamh air meadhon an rathaid, dh’àithn e dhaibh an sporan no am beatha a liubhairt dha. “Ma tà,” ars’ Iain Ciar, “cha chuir thu corrag air mo sporan-sa fhad ’s a bhios beatha agam gu ’dhìon!” Air so a chluinntinn rinn an Robair—oir ’s e bh’ann,—e féin cinnteach gu’m b’ fhiach e ’n t-saothair greim a dheanamh air sporan an Albannaich: na’m biodh fhios aige nach robh ann ach aon bhonn sè sgillinn, cha chuireadh se e féin gu tuilleadh dragh mu’n ghnothach. Ach cha robh e ’m beachd Iain Chiair gu’m faigheadh e fios air a’ cheart rud sin. “Dean deas, ma tà,” fhreagair an Robair, “gu do sporan a dhìon!” “Tha mi deas gu sin a dheanamh” thubhairt Iain Ciar, a’ tilgeadh a bhreacain air an làr, agus a’ tarruing a chlaidheamh-mòr as an truaill. “Cothrom na Féinne!” ars’ an Robair “duine an aghaidh duine. Abair ri d’ ghille seasamh gu taobh!” “Ceart gu leòir!” fhreagair Iain, “Cha’n iarr mi na’s feàrr na cothrom na Féinne. Seas thusa a leth-taobh, a Dhòmhnuill, agus gabh ealla ruinn!” thubhairt e ri Mac-an-Léigh; agus gun tuilleadh moille, chaidh na fir an caraibh a chéile. Car ghreis mhaith cha robh a h-aon diubh a’ buidhinn air an aon eile. Ma bha Iain Ciar math air a chlaidheamh a chluich, neo-ar-thaing mur robh am fear eile cho tapaidh ris féin; agus cha robh coltas orra gu’n tigeadh a’ chomh-strì gu crìch an ath-ghoirid. Ach, uidh air ’n uidh, thòisich Iain ri géill a thoirt, a chionn bha e fann le dìth bìdh. Air so fhaicinn, theann an Robair na bu dlùithe dha. [TD 77] “Coma leat tighinn! Cha’n eagal domh!”—glaodh Iain Ciar ri ’ghille, mar gu’n robh e tighinn g’a chuideachadh. Thug sùil an Robair claonadh an rathad a bha Mac-an-Léigh, agus, am prioba na sùl, bha an làmh dheas gun lùth, an crochadh ri ’chliathaich, agus a shleagh ’na laidhe air an làr. Anns an ath phrioba bha a làmh chlì ’na bhroilleach, feadag airgid ri ’bhilean, agus an fhead chruaidh, chaol a’ dol air a’ ghaoith troimh ’n choille. Cha robh tiota ri chall: mu’n robh an fhead fathast air a crìochnachadh bha’n ceann bhàrr an Robair, agus a choluinn sìnte ri talamh. Le a chlaidheamh, gheàrr Iain Ciar sreath de phutain airgid bhàrr broilleach còta ’n Robair; thug e féin agus a ghille leò an fheadag, a’ mhàileid agus an ceann. Thug iad sealladh grad mu’n cuairt orra. Chunnaic iad, dlùth làimh, dà no trì de chraobhan mòra ’bh’air tuiteam thairis air a’ chéile; ruith iad a stigh fo na geugan tiugha, agus chrùbain iad am falach mar ’an uaimh fo’n sgrath a thog té de na craobhan le a bun, an uair a thuit i. Mu’n gann a dh’ amais iad air faighinn a stigh do’n chùil, bha fead a’ Chinn-fheadhna air a freagairt, agus a dhaoine a’ trusadh a nuas as gach ceàrn. Air dhaibh corp an Ceannaird fhaotainn air an làr ’na fhuil, chruinnich na daoine borba sin mu thimchioll, agus ghuil iad mar leanabanan. Thog iad an corp leò gu bàigheil, urramach, agus chaidh iad ás an t-sealladh an dùbhra na coille ’s an duibhre an anmoich. Cha d’thug iad ionnsuidh ’sam bith air a rannsuchadh cò an t-eascaraid a rinn an gnìomh, agus a fhuair buaidh cho buileach thairis air laoch a bha, ’nam beachd-san, cho gaisgeil. Cha bu luaithe bha ’m fear mu dheireadh dhiubh ás an t-sealladh, ’s ás an éisdeachd, na dh’ fhosgail Iain Ciar màileid an Robair. Fhuair e aran is feòil ann, agus botul fìona. Thug e ás na bh’ann, agus chuir e ceann an Robair ’sa mhàileid ’nan àite. [TD 78] Gu tàingeìl dh’ith is dh’òl an dithis dhaoine cuid a’ cheatharnaich; agus dh’ fhan iad far an robh iad gus an do bhris solus fann na fàire. Cha robh ach mu dhà mhìle aca ri choiseachd; agus bha Iain Ciar a’ bualadh aig geata mòr a’ Chaisteil mu’n robh duine air a chois ach na seirbheisich. Thàinig nighean a dh’ ionnsuidh a’ gheata. Bha Iain Ciar an sin, le ceann an Robair air fhalt aige, mar a chì sibh anns na dealbhan ’sa Bhìobull, Daibhidh le ceann Gholiath. Thug a’ chaileag sgread aisde, ’s theich i stigh le oillt, a’ glaodhaich gu’n robh duine aig a’ gheata le ceann duine ’na làimh. Dh’ éirich a leithid de othail ’s a’ Chaisteal gu’n do dhùisgeadh a h-uile duine bh’ ann, agus dh’ ìnnseadh do’n Iarla mar a bha. “’S e Iain Ciar a bhios ann!” ghlaodh e, agus ruith e féin a sìos an staidhir, agus dh’ fhosgail e’n geata d’a charaid. Mur d’ fhuair Iain Ciar fàilte chridheil, agus an deagh ghabhail aige, ’s neònach leams’ e! Fhuair e’n duais, agus cha robh fada gus an robh e slàn tèaruinte ’san Fhràing. Cha d’ fhuair Iàin Ciar tilleadh dhachaidh gus an d’ rinn a’ Bhan-tighearna aige guidhe dhùrachdach gun stad ris an Rìgh, a dh’ aisig dhi còir na h-oighreachd, agus a leig le Iain Ciar tighinn air ais d’a dhùthaich féin. Bha’n fheadag agus na putain airgid air an toirt dachaidh leis do Dhunola; agus ’s iomadh aon a chunnaic an sin iad. Ma choisicheas sibh còig mìle mach as an Oban, gu Cille Bhrìde chì sibh an sin Caibeal Dhunola, anns am bheil Iain Ciar gaisgeil air a thiodhlacadh. “An e sin na bheil ann!” ghlaodh sinn uile, an uair a dh’ amais sinn air ar n-anail a tharruing aon uair eile. “Cha’n e, uile gu léir,” thubhairt ar sean-mhàthair. “O, innsibh tuilleadh dhuinn!” “Cha’n innis an nochd,” fhreagair ise; “ma bhios sibh ’n’ur cloinn mhaith gheibh sibh a’ chuid eile ’n ath-oidhche. Sin agaibh Lìosaidh a’ tighinn le’r brochan!” Agus leis a so dh’ fheum sinn a bhi riaraichte. [TD 79] MU IAIN CIAR ’S A’ BHAN-FHRANGACH. MAR leanabh beag a thuiteas ’na chadal am meadhon braise, leis na deòir mhòra fathast gun tiormachadh air a ghruaidh, agus a dhùisgeas o ’shuain air ath-ùrachadh, a’ fosgladh nan sùilean gorma le fiamh-ghàire, mar sin bha aghaidh Nàduir air an là màireach. Bha a’ ghrian a’ dealradh a nuas ás an speur ghorm, thairis air an robh neul geal, thall ’s a bhos, a’ snàmh gu ciùin. Chunnaic sinn so uile, ach cha d’ thug sinn aire dha. Mar a tha dealbh deàrrsach na gréine air thoiseach air duine, an déigh dha beachdachadh gu dil oirre, ciod air bith ni air an amhairc a shùil, air an dòigh cheudna, air thoiseach oirnne, ann ar cleasachd no aig ar n-obair, bha ìomhaigh Iain Chiair a’ snàmh. Bha dearbh fhios againn nach robh math dhuinn fiughair a bhi againn ri aon smid tuilleadh a chluinntinn m’a dhéighinn gu feasgar; mar sin chaidh sinn gu cùramach troimh gach dleasdanas, oir bha ar n-obair féin aig gach aon againn. B’urrainn eadhon do Raoghnull beag ceann na craoidhleig bhuntàta a thogail a dh’ ionnsuidh an uillt le Deòrsa; gun ghuth air a bhi ’cumail na tùirneip ris, an uair a bhiodh e ’ga sgoltadh air son a’ chruidh. Air an dòigh so cha robh cudthrom na h-oibre tuilleadh ’s trom air aon seach h-aon ’san tigh, agus bhris e stigh a’ chlann gu gabhail ris an obair gu caoimhneil. [TD 80] Ach mu dheireadh thàinig am feasgar. Bha na h-uile ni deas; bha ar leasain air an ionnsachadh, b’urrainn duinn an ràdh gun mhearachd; agus thrus sinn uile, a dh’ aon bhuidheann, m’an chathair-mhòir anns an robh ar sean-mhàthair ’na suidhe. Ach mo thruaigh, dìreach an uair a dh’ fhosgail Maisi a beul gus an ath-chuid de’n naigheachd iarraidh, dh’ fhosgail dorus an t-seòmair, agus a nìos thàinig Uirig a’ ghàirnilear a dheanamh céilidh fhada. A nis, cha robh aon ’n ar measg aig nach robh gaol an cridhe air Uirig. B’àbhaist duinn dol a chur a’ cheatail air an teine air son tea a dheanamh dhi, ach an nochd, ’s ann a thàinig dùbhra thairis air gach aodann air duinn a’ cheud phlathadh dith fhaicinn. Thug ise an aire dha so; ghabh i gu clis a stigh mar a bha ’n gnothach. “A nis,” thubhairt ise, “na caraicheadh gin agaibh. Cha d’rinn mise ach tighinn a dh’ fheuchainn am b’ urrainn do bhur màthair deuran bainne ’thoirt dhomh; tha Dòmhnull Ruadh air tadhal ’san dol seachad, agus feumaidh mi falbh air a’ mhionaid.” Shocraich sinne sinn féin, am feadh a dh’ fhalbh ar màthair le Uirig, agus thòisich ar sean-mhàthair air an ath chuid de naigheachd Iain Chiair innseadh:— Bha Iain Ciar, aig aon àm, air turus ann an taobh-tuath na Fràinge. Bha ’n dùthaich troimh an robh e ’marcachd, fàsail, fiadhaich; agus bha ’m baile dh’ ionnsuidh an robh e ’dol, astar mòr air falbh. Bha e ’marcachd o mhaduinn, agus bha e nis fad air aghart ’san fheasgar, agus cha robh an t-ionad anns an robh e air àiteachadh. Ach an ùine ghoirid, chunnaic e tigh mòr, leis féin, dlùth do làimh. Mharcaich e ’suas thun an doruis, agus dh’ fheòraich e am faigheadh e aoidheachd air son oidhche. “Gheibh,” fhreagair an duine a thàinig a dh’ ionnsuidh an doruis, agus, a’ gabhail sréin an eich ’na làimh, thubhairt e ri Iain dol a stigh, agus thug e ’n t-each leis do ’n stàbull. Ghabh Iain a stigh do’n fhòr-sheòmar fharsuing a gheibhear [TD 81] an coitcheannas ann an tighean nan tuathanach ’san dùthaich sin, far am bheil an teaghlach agus na seirbheisich a’ gabhail am bìdh, agus a’ suidhe aig an obair anns a’ gheamhradh, mu’n cuairt do ’n teallaich mhòir fhosgailte. Fhuair e ’n so mòran fhear, ’nan suidhe mu’n bhòrd aig an suipeir, agus aon bhean ’gan seirbhiseachadh. Ghlac rudeiginn de ionghnadh e; ach, air dhoibh àite-suidhe a’ sheòladh dha dlùth àir an teallaich, chuir e fàilt orra, agus chaidh e suas. Cha robh fada gus an d’éirich na fir, agus chaidh iad uile ’mach, a’ fàgail Iain gu a shuipeir a ghabhail air a shocair féin. Thug e’n aire nach robh a’ bheag aca ri ràdh an déigh dhàsan dol a stigh; agus thug e mar an ceudna fainear an greann neo-thaitneach a bha, a réir coltais, a ghnàth an aodann na h-aoin bhoirionnaich a bha ri fhaicinn mu’n tigh. Mu dheireadh ghabh Iain an dànadas fharraid de’n bhean, c’ ar-son a bha i cho neo-thoilichte. Thàinig a’ cheisd gun fhiughair oirre. Sheas i m’ a choinneamh a’ dearcadh gu muladach ’na aodann. A réir coltais thug an sealladh misneach dhi a fhreagairt. “Nach d’ thug thu ’n aire,” fhreagair i, “nach ’eil bean ri fhaicinn an so ach mise a mhàin?” “Thug,” thubhairt Iain. “Is luchd-reubainn air fad na daoine a chunnaic thu. Ma tha meas agad air do bheatha, fàg an tigh cho luath ’s is urrainn duit; mur teich thu bithidh tu ’nad dhuine marbh mu’n tig an là-màireach.” “Ma tha sin uile mar a tha thu ’g ràdh,” thubhairt Iain, “ciamar nach ’eil thu fhéin a’ teicheadh bho àite—a réir mar a thubhairt thu—a tha gràineil?” “Tha an t-àite da-rireadh gràineil leam, agus dh’fheuch mi teicheadh ás, ach tha coin-luirg aca, agus is beag nach d’ rinn iad mo shracadh ás a chéile; cha robh ’chridh agam fheuchainn a rithis.” “Na’n toirinn-sa oidheirp air do theasraiginn, an tigeadh tu leam?” [TD 82] “Thigeadh,” thubhairt a’ bhean, “ach ’dé am maith a bhiodh ann? Cha deanadh tu ach do bheatha féin a chall cho maith ri m’ bheatha-sa.” Dh’ fhan Iain ’na thosd car ghreis, a’ beachd-smuainteachadh thairis air na chual’ e. Mu dheireadh thubhairt e, “Ciod e’m biadh a tha thu ’bruich ’sa choire mhòir sin air an teine?” “Tha,” thubhairt ise, “feòil a’ bruich innte air son nan con.” “Innsidh mise dhuit, ma tà, ciod a ni thu. Gheibh thu an t-each agam-sa a mach leam ás an stàbull cho luath ’s a tha na h-uile ni sàmhach. Biodh làn do sguirt agad deas de’n fheòil sin, agus ma théid na coin a chur ás ar déigh, tilgidh tu mìr feòla ’nam measg ’nuair a ni iad a suas ruinn. Theagamh gu ’m bi am Freasdal fàbharach dhuinn, agus gu’n ruig sinn baile éiginn mu’n teirig am mìr mu dheireadh.” Gheall a’ bhean a h-uile cùis a dheanamh mar a dh’ iarr Iain oirre, agus sanus a thoirt dha cho luath ’s a shaoileadh i gu’n robh e tèaruinte dhoibh teannadh a mach; agus, a chionn gu’n robh aon no dhà de na fir fathast air an cois, ’s a dh’ fhaodadh iad tighinn a stigh aig àm air bith, cho-aontaich iad gu’ m biodh e cho maith gun tuilleadh cainnt a bhi eatorra, air eagal amharus nan daoine a dhùsgadh. Bha e gu maith seachad air meadhon oidhche an uair a fhuair Iain an sanus gu’n robh na h-uile ni réidh air thoiseach air. Chaidh aige air an each a thoirt gu sàmhach a mach as an stàbull, agus thug e leis air sréin e, air a threòrachadh leis a’ mhnaoi—a bha mion-eòladh air an rathad—gus an robh iad á éisdeachd gach duine’s madadh timchioll an tighe. An sin, air do Iain a’ bhean a chur air a chulaobh air an each, dh’ fhàg iad fad ás an déigh tigh an uilc ’s a’ mhi fhortain. Air a’ chuid so de’n sgeul a ruigheachd, thug ar sean-mhàthair togail oirre féin ’sa chathair, chuir i’n stocaidh air a’ bhòrd, agus thug i dhith a gloineachan. [TD 83] “Am bheil sibh réidh cheana?” “An d’ fhuair iad ás?” “Ciod a’ thachair ’na dhéigh sin?” ghlaodh sinn uile còmhla. “Socair,” socair,” ars’ ar màthair gu sìobhalta, a’ tighinn a stigh an déigh Uirig fhaicinn gu ruig geata a’ ghàraidh, agus crioman beag na b’ fhaide a sìos am bruthach; “Nach leig sibh le’r sean-mhàthair a h-anail a tharruing?” Air so a chluintinn shìolaidh sinn, agus dh’ fhàs sinn aon uair eile cho bìth ri nead a dh’ eòin bheaga an déigh d’ am màthair baoiteag a thoirt do gach aon diubh. An déigh beagan ùine thòisich an t-sean-mhàthair a rithis:— Ghreas Iain a dheagh steud each air aghart cho mhaith ’s a leigeadh an dorchadas, agus dìth eòlais an rathaid leis a dheanamh, Bha a’ bhean thruagh a’ cumail a cluais gu furachail fosgailte, air eagal na tòire, a bha i cinnteach a rachadh a chur ’nan déigh. Mu dheireadh, chlisg i, ag ràdh, “Mo thruaigh sinne! Tha mi a’ cluinntinn sgal nan con?” “Na biodh eagal ort,” thubhairt Iain, gu misneachail; “Ni sinn mar is feàrr a dh’fhaodas sìnn. Bi thusa deas leis an fheòil ’n uair a ni iad a suas ruinn.” Agus air aghart chaidh iad gun tuisleachadh. Mu dheireadh thall thàinig na coin na bu dlùithe; ach air do mhìr mòr feòla ’bhi air a thilgeadh g’ an ionnsuidh dh’ fheith iad, a’ tabaid thairis air gus an robh an t-iomlan air a reubadh ’s air a shlugadh a suas. An sin air aghart thàinig iad leis an tuilleadh cuthaich, gus an do choinnich iad mìr eile air an rathad. Air an dòigh so chaidh an cumail air an ais; ach bha iad a’ buidhinn a’ chuid ’s a’ chuid air a’ chàraid a bha ’teicheadh air thoiseach orra. Fa dheireadh thubhairt am boirionnach, “Tha mi air a’ mhìr mu dheireadh a thilgeadh a sìos?” “Cha’n ’eil atharrach air,” fhreagair Iain, a’ greasadh an eich ás ùr.” Choinnich na coin thairis air a’ mhìr fheòla, agus, a rìs aon uair eile, air aghart thàinig iad ’nan deannaibh. Bha [TD 84] an fhàire air briseadh; bha a’ ghrian ag éirigh; bha deàrsadh nam ballachan geala aig baile beag ri fhaicinn troimh na craobhan àrda beagan astair air thoiseach orra. Bha eagal air na robairean leigeil leis na coin dol na b’ fhaide; agus, mar sin, dìreach air do Iain agus do’n mhnaoi iad féin a thoirt a suas mar chaillte, chaidh casg a chur air na coin; chaidh an gairm air ais, agus thug an t-each maith aig Iain a stigh do’n bhaile an dithis gu sàbhailte. An ath latha, thill Iain air ceann buidheann shaighdearan, a dh’ ionnsuidh àros an luchd reubainn. Rinn na robairean an tigh a dhìon gu tapaidh; ach b’ fheudar dhaibh géill a thabhairt, agus strìochdadh do na saighdearan. Chaidh an tigh a leagadh, chaidh cur ás do na coin, agus chaidh na thuit an làmhan nan saighdearan, de’n luchd-reubainn, a chur gu bàs. “C’àit an deachaidh Iain an déìgh sin?” dh’ fharraid Deòrsa. “Cha ’n ’eil fhios agam ciod a thachair dha eadar an àm sin agus a thilleadh do’n Oban,” thubhairt ar sean-mhàthair. Fhuair an teaghlach air ais am fearann agus an còraichean uile an déigh Bliadhna Theàrlaich, a chionn nach do ghabh iad gnothach ri éirigh 1745. [TD 86] OGHA IAIN CHIAIR AN EIRINN. “NACH ’eil naigheachd tuilleadh agaibh mu dhéighinn Iain Chiair, ma tà?” dh’ fheòraich Maisi. “Cha ’n ’eil; ach fhuair a’ cheud naigheachd a dh’ innis mi dhuibh uime, co-dhùnadh iongantach; ni a thachair ri m’ chuimhne féin. Cha ’n ’eil an sgeul cho fada gur fhiach a ghleidheadh gu oidhch’ eile; mar sin faodar a toirt uile gu léir duibh an nochd”:— An uair a bha mise ’n am chaileig mu d’ aois-sa, a Mhàisi, bha àr-a-mach air a dheanamh an aghaidh Bhreatunn, ann an ceàrn sònruichte de Eirinn. Chaidh cuid de’n arm againn a chur a null a chum an éirigh a chur a sìos; agus air ceann buidhne bha Caiptean Donnachadh, Dhùnola, ogha Iain Chiair. Bha Mac-an-léigh, ogha de’n fhear a bha ’n seirbhis Iain Chiair, ’na ghille aig Caiptean Donnachadh. Aon latha, an déigh do’n champ a bhi greis air a shocrachadh anns an t-siorramachd ’san robh iad ri fantuinn car ùine, thàinig duin’ uasal eireachdail a nìos far an robh dithis de na h-oifigich ’nan seasamh a’ bruidhinn ri chéile, agus, a’ cur fàilt orra, dh’ fharraid e dhiubh an robh duine de chloinn Dùghallaich Dhùnola anns a’ champ. “Tha,” fhreagair aon de na h-oifigich, “sud agad Caiptean Donnachadh, ma ’s e tha dhìth ort;” agus aig a’ cheart àm sheòl e dha am fear a bha e ’g iarraidh fhaicinn. [TD 86] Thug e buidheachas gu suairce do’n oifigeach, agus air dol a nunn a dh’ ionnsuidh Chaiptean Donnachaidh chuir e fàilte shuilbhir air. Dh’ innis e dha gu’m bu charaid e; gu’n robh fada o’n a bha déidh shònruichte aige air ’fhaicinn, agus bruidhinn ris, “A chionn,” ars’ esan, “tha fad o’n a chuala mi iomradh air an teaghlach d’am buin thu, agus bha ’mhiann orm rè mo bheatha, h-aon no h-aon-eiginn agaibh a choinneachadh.” Air so a ràdh, thug e ’ainm agus a shloinneadh do’n Chaiptean, agus an déigh fuireach greis a’ conaltradh ris, thubhairt e gu’m feumadh e falbh an tràths’ ach na’n tigeadh Caiptean Donnachadh a dh’ ionnsuidh a thighe air là air bith a bhiodh e freagarrach dha féin a shuidheachadh, gu ’m faigheadh iad tuilleadh cothrom air eòlas a chur air a’ chéile. Bha Caiptean Donnachadh air a thoirt a suas gu mòr le coltas an duine. Shuidhicheadh leò gu ’n rachadh e g’a fhaicinn air an t-seachduin sin féin, agus dh’ fhalbh an duin’ uasal ann an àrd thoil-inntinn m’an chùis. Air an fheasgar sin fèin dh’ innis Caiptean Donnachadh d’a ghille mar a thàinig an duin’ uasal g’a fhaicinn, agus mar a chaidh e fo ghealladh dol a dh’ ionnsuidh a thighe. “O!” ars’ an gille, ann an trioblaid mhòir, “ciod e ’tháinig oirbh gu’n cuireadh sibh a leithid de mhuinghin ann an Eireannach?” “Nach gòrach thu,” fhreagair a mhaighstir, “tha na h-Eireannaich mar mhuinntir eile, droch dhaoine ’s daoine maithe ’nam measg.” “B’fheàrr leam nach rachadh sibh idir g’a fhaicinn; tachraidh rud-eiginn ribh ma théid sibh a chòir a thighe.” “Cha’n eagal gu’n tig. ’Dé ’th’ air tighinn ort?” arsa Caiptean Donnachadh. “Na ’m biodh tu féin air coltas an duin’ fhaicinn cha bhiodh smuain uilc a d’ chridhe. Is fìor dhuin’ uasal a th’ ann, tha mi ’g ràdh riut.” “Tha mi coma ’dé ’n coltas a th’ air,” ghlaodh Mac-an-léigh; “Tha mi ’guidhe ’s a’ grìosadh oirbh leigeil leam dol [TD 87] agus ’ur leisgeul a ghabhail agus a ràdh gu bheil sibh a’ cur dhìbh dol g’a amharc.” “B’e ’chladhaireachd e. Gheall mi dol ann, agus feumaidh mi m’ fhacal a ghleidheadh, ’s na biodh tuilleadh m’a thimchioll,” fhreagair a mhaighstir, agus leis a sin dh’ fhan an gille ’na thosd. Air an latha air an do gheall e tighinn, theann Caiptean Donnachadh a mach a chur seachad an fheasgair le ’charaid ùr. Bha ’ghille a’ feitheamh gu dìleas aig ’uileann. Chaidh iad air aghart air an slighe a réir mar a sheòladh leis an duin’ uasal. Mu dheireadh thàinig iad a dh’ ionnsuidh geata agus chunnaic iad fear an tighe a’ tighinn a mach air dorus tigh mhòir, bhriagha, a bha taobh-stigh a’ ghàraidh. Bha e, a réir coltais, a’ feitheamh an teachd, a chionn, ruith e, cho luath ’s a thàinig iad ’san t-sealladh, agus dh’ fhosgail e an geata. “Is maith a rinn thu tighinn,” thubhairt an duine, “tha mi anabarrach toilichte t’ fhaicinn. ’S e do bheatha tighinn a stigh fo m’ chleith.” Agus thug e crathadh cridheil air làimh Chaiptein Dhonnachadh. Threòraich e’n Caiptean a stigh a dh’ ionnsuidh seòmair a bha air làimh dheis an doruis mhòir. Bha Mac-an-léigh a’ dol a stigh gu teann air cùlaobh a mhaighstir, ach smèid an t-Eireannach air ais e, ag ràdh.—“Cha ’n ’eil e iomchuidh dhuitse tighinn a steach do’n aon sheòmar ri d’ mhaighstir,” agus dhùin e’n dorus ’na aodann, ’ga ghlasadh air an taobh-stigh. Thug Mac-an-léigh an aire do ghlasadh an doruis, agus ma bha amharus air roimhe, bha e uile chinnteach gu ’n robh an t-olc ’na bheachd a nis; agus chum e a chluas gu biorach ri toll na h-iuchair. An déigh a’ cheud fhàilteachaidh a chur seachad, thug an t-Eireannach botul mòr dibhe a mach—botul a ghleidheadh cùig pinntean—cha ’n fhaicear a leithid a nis; agus lìon e dà ghloine dh’ uisge-beatha ás. Shìn e aon diubh do Chaiptean Donnachadh, a chum gu ’n òladh iad deoch-slàinte a’ chéile. Ach chuir glasadh an doruis an Caiptean cho maith ris a’ ghille, air earalas. [TD 88] “’S e m’àite-sa feitheamh gus an òl sibhse,” thubhairt Caiptean Donnachadh. “Cha’n i sin cleachduinn ar dùthcha-ne,” labhair am fear eile, “cha ’n òl fear-an-tighe gus an òl na h-aoidhean an toiseach; mar sin, tog do ghloine agus òl do chuid.” “Bheir mi an t-urram sin dhuibhse,” fhreagair an Gàidheal. Air so, thog an t-Eireannach am botul mòr, agus mu’n robh fhios aig a’ Chaiptean ’dé ’bha tighinn, thug e’n strailleadh ud dha air a lethcheann leis, agus thuit Caiptean Donnachadh gun mhothachadh air an ùrlar. Chuala Mac-an-léigh am buille, Dh’ fheuch e’n dorus; ach cha b’urrainn da uibhir ’s criothnachadh a thoirt air. Ruith e ’mach gu ceann an tighe agus air faotainn gu’n robh uinneag an sin, bhris e ann am prioba i agus leum e stigh do’n t-seòmar. Le dùirn agus casan, bha’n t-Eireannach a’ breabadh ’s a’ beubanachadh Mhic Dhùghaill; ach air do Mhac-an-léigh briseadh a stigh mar a rinn e, thionndaidh e an sin air-san gu e féin a dhìon. Chaidh an dithis an caraibh a’ chéile gu dian; ach cha do mhair a’ chomh-strìth ro fhada; dìreach mar a bha Caiptean Donnachadh a’ tighinn air ais gu ’mhothachadh féin, shàth Mac-an-léigh a bhiodag ann an cliathaich an duin’ eile, agus thuit e marbh fo’n bhòrd. Shuidh an Caiptean a suas, agus thàinig e chuige uidh-air ’n-uidh. “Ciamar a tha sin dol a dh’ fhaighinn a mach as an tigh so?” thubhairt e, mu dheireadh, r’a sheirbheiseach dìleas. “Tha, dìreach air an rathad air an d’ thàinig mise ’stigh; tha mi ’m bharail gur h-e ’is dlùithe, ’s ’is goireasaiche,” fhreagair an gille. “Tha mi creidsinn gu bheil thu ceart,” thubhairt Mac Dhùghaill, “agus mar is luaith a gheibh sinn taobh achme a leithid de àite ’s ann ’is fheàrr.” [TD 89] “Ma tha sibh ’g ’ur faireachduinn fhéin comasach air carachadh, feuchaidh sinn falbh ma tà,” thubhairt Mac-an-léigh; agus gun tuilleadh moille dh’ fhalbh an dithis a mach air an uinneig, agus troimh ’n gheata air an d’ thàinig iad a stigh. Cha’n fhaca ’s cha chual’ iad creatair beò timchioll an tighe, agus gun ghrabadh a thighinn ’nan rathad fhuair iad gu tèaruinte air ais do’n champ. An ath latha, thill MacDhùghaill le cuid de na h-oifigìch eile leis, agus buidheann shaighdearan, a rannsuchadh an tighe far an d’fhuair e a leithid de ghiollachd. Bha h-uile ni mar a dh’ fhàgadh air an fheasgar roimhe sin. Bha corp an Eireannaich ’na luighe fo ’n bhòrd; agus a réir coltais, cha robh duine beò a chòmhnuidh ’s an tigh aig an àm. Loisgeadh an tigh gu làr, agus dh’ fhàg iad mar sin e. Ach cha do stad iad gus an d’ fhiosraich iad cò a b’ esan a dh’fheuch, le foill, cur ás do Mhac Dhùghaill. Có a tha sibh a’ smuainteachadh a bh’ ann?” “Có?” Có?” ghlaodh sinn. “Có ach ogha an Robair Ruaidh a chaidh a mharbhadh le Iain Ciar.” Dh’ amhairc sinn uile air a’ chéile le iongantas. “Agus b’ann a dheanamh dioghaltais air Caiptean Donnachadh, air sgàth a sheanar, a rinn e sud?” ghlaodh Deòrsa. “Agus thachair sin ’n ’ur cuimhne féin?” thubhairt Maisi. “Thachair,” fhreagair ar sean-mhàthair, “agus b’e mac a’ Mhic-an-léigh sin, mu dheireadh, a b’ àbhaist brògan do mhàthar a dheanamh an uair a bha i ’na caileig mu d’ aois féin. Ach ghléidh mi tuilleadh ’s fada sibh an nochd le m’ naigheachd. Tha ùine bho’n a chaidh ’ur suipeir a chur air a’ bhòrd, agus cha d’ thug a h-aon agaibh an aire dha gus a nis. Cha ’n fhaod e bhi nach leig sibh tàmh dhomh greis mhaith an déigh sgeul cho fada fhaotainn uam.” [TD 90] TURUS EOGHAIN BHAIN DO’N ROINN EORPA. MAR A CHAIDHTEAR MU’N GHNOTHUCH. “A Chiorstan!” arsa mise ri m’ mhnaoi air feasgar àraidh air an t-samhradh ’chaidh seachad, “’S iomadh latha o’n a thàinig thu fhéin agus mise do’n oisinn so de’n dùthaich. ’S iomadh unnsa tea agus peic mhine agus baraille sgadain a chaidh a reic ’s a cheannach leinn o’n àm sin. Agus tha ’bhlàth ’sa bhuil. Air an là air an d’thàinig thu cha robh agad ach aon ghùn cailico a thuilleadh air an fhear a bh’ air do dhruim. Ach feuch ort an diugh! Tha deise cho eireachdail ort a’ dol do’n t-searmoin ’s a th’ air bean-uasal ’san dùthaich; agus air an ath sheachduin tha do nighean a’ tighinn dachaidh á Dùn-Eideann, le uibhir sgoil ’na ceann ’s a th’ aig clann a’ mhinisteir, ged is fad air aghart iad.” “Seadh Eòghain,” arsa Ciorstan, a’ toirt sùil-gheur a nall orm fhéin, “agus ciod a thug an uachdar na smuaintean sin? B’ fhada shìos iad mu’n àm so ’n uiridh.” “Innsidh mise sin duit,” fhreagair mi, a’ tilgeadh a’ phaipeir-naigheachd a sìos air a’ bhòrd. “Tha ’n so fios air a thoirt, gu ’m faighear cothrom air dol, fad deich làithean, do chuid de na h-àitean a’s bòidhche ’san Roinn Eòrpa, agus sin air glé bheag airgid. A nis, tha, mar a thubhairt mi, Peigi tighinn dachaidh air an ath sheachduin, réidh d’ a sgoil, agus bu chiatach leam aon shealladh fhaighinn air an [TD 91] t-saoghal mhòr. Bha’n t-iarrtas ’am bhroilleach fad mo bheatha, ged nach do leig mi mach e gus a nis. Rinn am bùth gu math air a’ bhliadhna ’chaidh thairis; mar sin ma bha riamh cothrom gu toil-inntinn de’n t-seòrsa so ghabhail, ’s ann a nis. Theagamh nach tig e rithis an ealachd. Nach bu ghasda leat na’n rachamaid ’nar triùir taobh air chor-éiginn? Cha do fhreagair Ciorstan car mionaid no dhà. “Ciamar a gheibheamaid air aghart gun a’ Bheurla!” ars’ i mu dheireadh. “Huts!” arsa mise, “ciod am feum a bhiodh air Beurla far nach ’eil daoine ’ga bruidhinn! Dheanadh Peigi na h-uile facal a labhairt air ar son, an Sasunn cho math ris an Fhraing; air neo cha mhòr feum a rinn a h-ionnsachadh dhi.” “Ach ciamar a rachadh leis an tigh fhad ’s a bhitheamaid air falbh: an dùineadh tu suas am bùth?” “Cha dùineadh. Saoil thusa nach tigeadh Màiri, do phiuthar, le a teaghlach, fad na h-ùine ’bhiodh na sgoiltean fa sgaoil. Cha’n iarradh clann a thogadh an Glascho na b’ fheàrr na tighinn; agus tha’m balachan a’s sine pongail, dèanadach. Ghleidheadh e’m bùth, le glé bheag cuideachaidh o ’mhàthair:” agus sheall mi gu dil an aodann mo mhnatha. “Ach Eòghain,” arsa Ciorstan a rithis, “nach biodh e car fadalach le Peigi bhi gun chuidéiginn òg a chumadh cuideachd rithe? Tha fios agad fhéin nach biodh e daonnan comasach dhòmhsa dol leatha na h-uile taobh. Cha’n’eil mi cho deas gu bealach a dhìreadh ’s a bha mi aon uair. Ma tha triùir ri dol ann, feumar an ceathramh a chur ris a’ chuideachd; agus am bheil thusa deas gus an costas sin a ghabhail ort fhéin?” “Tha mi toileach rud cuimseach ’sam bith a thabhairt no a dheanamh a bheir toileachadh dhuibh le chéile!” ghlaodh mi gu h-aoibhneach; oir bha eagal orm fad na h-ùine nach éisdeadh Ciorstan ri facal idir mu’n chùis. [TD 92] “Och, Eòghain, a ghràidh, ’s fheàrr dhuit féin ’s do Pheigi falbh as m’ eugmhais. Cha bhithinn ach ’am uallaich dhuibh. Bhiodh na h-uile rud neònach leam; agus bhithinnse neònach seach na h-uile duine—gun Bheurla gun eile.” “M’eudail,” arsa mise, a’ leum ’s a’ toirt sgailce pòige dhi, “tha fhios agam gu’m bheil thu nàisneach am measg choigreach; ach ciod an toileachadh a bhiodh againne gun thusa còmhla ruinn! Cumaidh Peigi ’s mis’ eadaruinn thu gach car a théid sinn; agus feuch ciod na naigheachdan a bhios agad ri ìnnseadh do mhnathan an Tairbeirt an uair a thilleas tu! Cha’n fhalbh sinn ceum ás t’eugmhais, agus cha chluinnear tuilleadh m’ a dhéighinn mur téid thu leinn.” “Ma tà,” arsa Ciorstan, “air mo shon fhéin deth, cha ghluaisinn eang bho thaobh mo theallaich; ach ’s fheàrr dhomh sgioblachadh ris air sgàth Peigi; bu duilich leam grabadh a chur ’san rathad oirre-se. Ach có bheireamaid leinn mar bhana-chompanach do Pheigi?” “Có ach a’ chaileag laghach shìobhalta sin, Màisi Stiùbhard, a th’ aice mar bhana-chompanach ’san sgoil. Bha i leinn fad seachduin an uiridh; ’s tha fhios againn gu’n còrdadh i fhéin agus sinne gu ciatach. Air son Peigi dheth, ar leatha nach ’eil a leithid eil’ air an t-saoghal. Faic thusa, tha na h-uile sìon deas, glan, socruichte cheana, ’s théid sinn an dàil a’ ghnothuich cho luath ’s a thig Peigi dhachaidh.” [TD 93] A’ CHEUD TEANNADH A MACH. Tri seachduinean an déigh a’ chòmhraidh ud eadar Ciorstan is mise bha Màiri, mo phiuthar-chéile, le a teaghlach, suidhichte anns an tigh againn aig an Tairbeart, agus bha mo bhean ’s mi fhéin, leis an dà chaileig, air bòrd carbad-na-deathaich air ar rathad do Lunainn. A nis, cha’n’eil e ’m bheachd dol tuilleadh ’s mionaideach a stigh anns gach car a chuir sinn dhinn. Cha deanadh sin ach muinntir a sgìtheachadh. ’S iad na seallaidhean a b’ ainneamh a chunnaic sinn air an toir mi a mhàin cunntas. Foghnaidh ìnnseadh mu Lunainn an t-eagal a chuir mi air na gillean-giùlain. Cha bu luaithe ’ràinig sinn ar ceann-uighe na leum leth-dusan gille gu bhi ’m badadh ’am mhàileid-thuruis. Gu dearbh fhéine, ’s ann a bha fear diubh ’s greim aig’ air, a’ dol g’a tharruing ás mo làimh. “Theirig a Choire-na-sheanachair!” ghlaodh mi gu reachdmhor, agus le spraic a thug orr’ uile tuiteam air an ais mar gu’n d’ thug mi sgleog ’san leth-cheann daibh; ’s fhuair sinn ar n-anail a tharruing. Cha do chuir sinn mòran ùine seachad an Lunainn; oir bhiodh cothrom againn air ar tilleadh gu fuireach an sin cho fada no cho goirid ’s a fhreagradh e dhuinn. Mar sin, air an Di-Luain an déigh an Tairbeart fhàgail, bha mi fhéin ’s mo chuideachd air bòrd a’ bhàta, air an aiseag mhòr eadar Sasunn ’s an Fhraing. “Taing do Ni Math, a Chiorstan,” arsa mise an déigh suidheagan fasgathach fhaotainn dlùth air an deireadh, “cha bhi feum tuilleadh air Beurla gus an till sinn do Shasunn. Tha sinn cho fad air aghart d’ a taobh ri muinntir eile ’s na ceàrna so.” [TD 94] “Tha aon rud ann,” arsa Ciorstan, “bidh na Sasunnaich nan coigrich uibhir ruinn fhéin; ’s cha’n urrainn daibh tàir a dheanamh air muinntir aig nach ’eil Beurla.” Air dhi so a ràdh, thàinig fear de na seòladairean le mèis bhig fheòdair ’na làimh, agus sheall e gu dùrachdach na h-aodann. Thug Ciorstan utag ’san uilinn domh, air dha a’ mhias a shìneadh dhi. “Feuch am bheil mùthadh agad,” ars’ i an cagar rium. “Phàigh sinn am faradh,” arsa mise, “’s cha’n urrainn gu’m bheil tuilleadh a dhìth orra: ’s ma thogair esan!” “Ach nach faic thu’n sreath dhiubh a tha dol thun chàich, gach fear le ’mhèis!” Air so thuirt am maraiche ni éiginn nach do thuig mi, agus air dha bhi fathast a tomhadh a’ mhèis ri Ciorstain, rinn mi glaodh ri Peigi, a bha air dol le Màisi gu taobh a’ bhàta, dh’fheuchainn am faigheadh iad a’ cheud sealladh air còrsa na Frainge. Ciod a bha’n duine cneasda ris ach a’ tairgseadh mèis dhuinn air eagal gu’m fàsadh gin againn gu dona le tinneas fairge; oir bha coltas robach a’ tighinn air an t-sìd. Thug sinn mòran buidheachais dà; ach thuirt sinn nach cuireadh oiteag a null no a nall sinn, ’s nach biodh feum againn air a leithid. Agus cha mhò chuir sinn feum air còmhnadh, ged a bha chuid a bu mhodha mu’r timchioll ’san sgeocail mu’n d’ ràinig sinn tìr. Air dhuinn Càlais a ruigheachd fhuair sinn an t-each iaruinn a’ feitheamh ris a’ bhàta, ’s air falbh ghabh sinn do Bhaile-mòr na Frainge. Thug e toileachadh dhuinn ainmean bhailtean a thug ’nar cuimhne a’ Ghàidhealtachd a chluinntinn air an éigheach taobh an rathaid. Bha gille-frìthealaidh aig aon cheann-uidhe a’ glaodhaich “Lagny-torrigny!” cho àrd ’s a bh’ aige. ’S coltach gu’n robh Na Toirinne an sin cho math ris na creagan de’n ainm sin a tha cùl Mhuile. [TD 95] Air dhuinn tòiseachadh ri labhairt ri chéile mu thimchioll sin, dh’ fheòraich duin’-uasal Sasunnach gu modhail, ciod an dùthaich d’am buineamaid? “Do Albainn” fhreagair Peigi. “Ciod a’ chànain a bha sibh a’ labhairt?” dh’ fharraid e; “shaoil leam an toiseach gu’m b’i Ghearmailteach a bh’ ann, ach an sin thug mi ’n aire nach b’ i.” “’S i ’Ghàidhlig a tha sinn a’ bruidhinn,” fhreagair Peigi. “Seadh!” ars’ an Sasunnach, “’S iongantach an ni gu’m biodh cànain choigrich mar sin air a labhairt fathast ’san dùthaich againn!” “Le ’r cead,” arsa Màisi gu h-ealamh, le a sùil a’ lasadh, “’S i ’Bheurla tha ’na teangaidh choigrich an Gàidhealtachd n h-Alba!” Thug an Sasunnach clisgeadh, ghabh e aige fhéin, agus thuirt e gu h-aithghearr: “Tha thu ceart, a nigheann, agus cha d’ thug mi fainear gus a nis gur ann mar sin a tha. Cha dì-chuimhnich mi e ’n ealachd—no’n dòigh air an d’ fhuair mi fios air;” ars’ e le aoibh, a’ toirt modh do Mhàisi, ni a thug rughadh bòidheach ’na gruaidh. Air dhuinn Paris a ruigheachd chum mi orm fhéin, agus leig mi le Peigi agus Màisi sealltainn as déigh ar trealaichean. Bha dà charbadair a’ smèideadh aig an aon àm ri cuideachd a bh’ air ar beulaobh, a dh’ fheuchainn cò de’n dithis aca a gheibheadh an togail do’n Hòtel g’an robh iad a’ dol. Fhuair aon fhear diubh a’ chuideachd mhòr, agus ghabh am fear eile a’ chuideachd againne. Ach bha’n fheadhainn eile fada na bu bhrèagha na sinne; agus an uair a bha’n dà charbad a’ dol a mach o’n cheann-uidhe air sreud a’ chéile, thionndaidh an carbadair a bh’ air thoiseach oirnn a cheann ris an fhear againne, gus nach mòr nach robh a smig air meadhon a dhroma, ’s chuir e’n draoin magaidh ud air a b’ oilltealla ’chunnaic mi riamh. “Marbhaisg air a’ bhéisd!” arsa Ciorstan. “An déigh sin cha b’e h-uile Frangach ris an earbainn mi fhéin. ’San [TD 96] dùthaich chneasd’ againne cha deanadh ach isean balaich braoisg a chur air mar sin,” Cò-dhiùbh b’e ’n draoin a mhill barail Chiorstain air na Frangaich, cha’n aithne dhomh; ach cha robh spéis aic’ orra tuilleadh ’na dhéigh. Chaidh sinn a dh’ fhaicinn nan seallaidhean iongantach agus annasach a tha tarruing iomadh fear-turuis thun a’ Bhaile-mhòir sin. Bha gu leòir ann gu ar cumail gun fhadal fad bliadhna na’n robh sinn ’sa bheachd uibhir sin de ùine chur seachad ann. A chum agus gu’m faigheamaid deanamh mar a thoilicheamaid fad fionn an latha, an àite tilleadh thun an tigh-ósda bha sinn a’ gabhail greim bìdh c’àit’ air bith am biodh e goireasach. Bha bùird bheaga air an cur fo fhasgadh aig dorus nam bùth, no sgàile nan craobh, far an robh craobhan a’ fàs. Bha sinn aon latha ’nar suidhe mu bhòrd beag cruinn, an Doire Boulogne, ag òl cupan café. Bha Ciorstan a’ talach air an tea a bheireadh na Frangaich dhi; mar sin bha sinn am bitheantas ag òl na café chiataich. Ach, mar a thubhairt mi, bha sinn aig a’ bhòrd an uair a thug Peigi ’n aire gu’n robh duine mòr eireachdail a bh’ aig bòrd eile goirid uainn, ag amharc gu dil ormsa. Air do Pheigi so ìnnseadh dhomh, thug mi tionndadh an taobh a bha’n duine. Air an ath mhionaid bha e nall ’na leum, ’s mo làmh aige ’na dhòrn ’ga crathadh mar gu’n cuireadh e as a’ ghualainn mi. “Gu dé so! Gu dé so! Eòghan Bàn an Dromain a choinneachadh ’san Fhraing!” ars’ e. “Agus so Ciorstan; agus cuiridh mi geall gur iad so do nigheanan, air an suaip ri teaghlach an Dromain!” Dh’ éirich mi, agus greim aige fathast gu teann air làimh orm. “Cò sibhse?” arsa mise, a’ dearcadh gu dùrachdach an clàr an aodainn air. “Cha ’n ’eil cuimhn’ agam gu’n do choinnich sinn riamh air an t-saoghal so.” “Ma tà ’s ann air an t-saoghal so a b’ aithne dhuinn a’ chéile, ’s cha b’ ann air saoghal ’sam bith eile. Nach faic [TD 97] thu’n fhiacail an dorus mo bheòil, a bhris thu le d’ chaman air an Nollaig mu’n d’ fhàg mi’n Srath!” “Mise’n diugh! An e so da-rìreadh Dòmhnull Iain!” ghlaodh mi, agus neo-ar-thàing mur d’ fhuair a làmhsan crathadh cho math ’s a fhuair mo thé-sa. “Gu cinnteach,” arsa mise, “coinnichidh na daoine ’nuair nach coinnich na cnuic! Ach dean suidhe, a laochain, ’s gu’n cuir sinn eòlas as ùr air a’ chéile. ’S i so Mairearad, mo nighean. Ach saoil an tomhais thu cò tha ’n so? Tha fios nach tomhais; cha d’ rugadh i gus an déigh dhuit falbh.” “Ma tà cha’n urrainn domh a ràdh, Eòghain; ach, cò air bith i, tha i bòidheach, lurach.” “Ma tà cò th’ ann ach nighean Fleòri do phiuthar, agus is tu dh’ fhaodas a bhi mòr á d’ bhean-cinnidh.” ’S am feadh a bha mo charaid a’ cur fàilt air Ciorstain ’s air na caileagan, ghabh mi beachd air o mhullach gu bonn. “A Dhòmhnuill” arsa mise, “cha’n aithnichinn gu’m faca mi riamh thu. An uair a dh’fhàg thu’n Srath bha do leth-cheann cho mìn ri gruaidh caileig, am feadh a tha feusag ort a nis mar am fraoch air a’ Chreachainn. Bha do chraiceann an sin cho geal ris a’ bhainne—” “Am feadh a tha e nis cho odhar ris na cnothan calltuinn a bhitheamaid a’ losgadh air Oidhche Shamhna,” arsa Dòmhnull le fiamh-ghàire. “Ach, mur ’eil e mi-mhodhail dhomh fharraid, ciod a thug an taobh so sibh an dràsd?” Agus mu’n d’ éirich sinn ás a sin bha fios aig Dòmhnull air na h-uile car mar a tha mi chean’ air ìnnseadh. “C’ àite ’bheil sibh a’ dol an déigh so?” dh’ fheòraich e. “Bha sinn air bheul tilleadh dhachaidh,” fhreagair mi. “Cha dean sibh ni d’a leithid,” ars’ esan. “Innsidh mise ’dé ni sibh: gabhaidh sibh mìos no sè seachduinean a thuilleadh, agus théid sinn uile dhachaidh còmhla. Cha rachainnse gus an dragh dol air feadh nan rìoghachdan aineoil air mòr-thìr na Roinn Eòrpa na’m bithinn leam fhéin. Ach tha sibhse, ’s nighean mo pheathar an so, agus bheir [TD 98] na nìghneagan foghluimte troimh gach càs sinn a thaobh na slighe; mar sin c’arson nach gabhamaid an t-saorsa, ’s an toileachadh am feadh a tha’n cothrom againn? Ciod a their sibh ris a sin?” Dh’ amhairc mi air Ciorstain ’s dh’ amhairc Ciorstan ormsa. An sin thug sinn sùil air na caileagan. Cha robh feum air fheòraich dhiùbhsan ciod a bu mhath leò, oir bha’n sùilean a’ lasadh le toil-inntinn leis an smuain a mhàin. “Bheir mise leam Màisi, oir tha còir agam oirre; pàighidh tusa air son do mhnatha ’s do nighinn, agus roinnidh tusa ’s mise seòmar eadaruinn, a chaomhnadh costais, ’s cha chuir sinn a mach air a’ chéile mu’n chùis.” Ciod a b’ urrainn domh ach aontachadh le dà ghnùis mhàlda grìosadh orm a dheanamh, ged nach deachaidh smid a labhairt. Cha d’ thuirt Ciorstan diog ’na aghaidh, ged a bha fadal gu leòir oirre tilleadh dhachaidh. ’S beag fios a bh’ againn ciod an comh-dhùnadh a bhiodh air ar turus! [TD 99] AN FHAIRGE CHLOICHE. Chaidh sinn troimh àite no dhà de na ceàrnaibh a b’ ainmeile ’s a’ Ghearmailt, a’ gabhail seallaidh air na fion-liosan, agus na seana chaistealan a bha ri taobh sruth briagha na Rhein. Ràinig sinn cho fada deas ri Munchen, baile-mòr Bavaria. An déigh càraid làithean a chaitheamh an so, ghabh sinn carbad-na-deathaich gu Salsburg. Gu ruig Ròsenheim bha’n dùthaich réidh, fosgailteach; ach aig a’ cheann-uidhe sin tha meur de ’n t-slighe iaruinn a’ dol deas gu Innsbruck, agus a’ mheur eile ’tionndadh ris an ear. Ghabh sinne ris an taobh an ear. An déigh Ròsenheim fhàgail, ruith an carbad a stigh gu garbh-chrìochan beanntach. Chaidh sinn, a’ snìomh a mach ’s a stigh, troimh ghleanntaibh cumhann, aig ìochdar nam beann, a bha ’g éirigh mar bhallachan corrach, àrd os ar ceann. Air gach sgeilp agus sgoltadh ’s a’ chreig air an robh e comasach do dhuslach trusadh, bha giubhas air freumhachadh, agus a’ tilgeadh sgàile cho tiugh gu’n robh solus latha os ar cionn mar eadar-sholus dùbhrach uaine. Dh’ fhàs an dùbhra na bu truime air dhuinn tionndadh a stigh gu bealach cumhann lùbar mu bhun nan sliabh. Bha abhainn bhras a’ ruidhleadh ’n a caoir làimh ri taobh na slighe iaruinn. Tuilleadh leud cha robh anns a’ bhealach lùbar chaol, ach na dh’ fhoghainn do’n t-sruth agus do’n t-slighe iaruinn. Bha toirm nan uisgeachan agus fuaim nan carbad cho àrd, agus bha’n sgàile ’thilg na craobhan cho trom gu’n do chuir e gaoir tromhainn amharc sìos do’n amar ghoileach, agus a suas do’n ghlòmanaich dhoilleir uaine. “Is eagalach an àilleachd so!” arsa sean Ghearmailteach còir, a bha ’g amharc a mach air an uinneig còmhla ruinn. An so bha mar gu’n robh ar [TD 100] slighe air a druideadh suas gu buileach. Fosgladh cha robh ri fhaicinn, an uair a thug an t-each-iaruinn cuibhle air mu’n cuairt; leum e gu drochaid ghoirid a bha thairis air an tuil bheucaich, agus le sgread thàr e stigh air dorus dorcha gu cridhe na beinne ’bha fa ’r comhair. An déigh dol ’n ar deannaibh troimh an dubh dhorchadas fad chòig mionaidean, leum sinn a mach gu soillse geal an là, air còmhnard farsuing réidh, agus sheas sinn aig Salsburg, ar ceann-uidhe. Bha tigh-òsda dlùth làimh cho briagha ri àros tighearna. Bha Dòmhnull air fios a chur a dh’ ionnsuidh an tighe so gu’n robh sinn a’ tighinn; agus chuireadh neach ’n ar còmhdhail aig an robh Beurla. Fhuair esan ar màileidean troimh ’n tigh-chuspainn gun dragh; agus dh’ innis e dhuinn gu’n robh seòmraichean cheana air an cur air leth air ar son air an treas ùrlar. Bha fòr-sheòmar taitneach air a’ bhalla air beulaobh nan seòmraichean againn. Bha sealladh grinn ri fhaotainn uaith, air an dùthaich mu’n cuairt. Bha uinneag seòmar Ciorstain a’ fosgladh mar dhorsan dà dhuilleig, gu ùrlar an fhòr-seòmair; agus shuidh sinn uile còmhla an sin a’ lìonadh ar sùilean leis an àilleachd a bha fa’r comhair. Bha sinn a nis an Austria, tìr monadail, far an cluinnear na h-uillt a’ tuiteam o’n bhruaich mar aig an tigh. Air taobh eile ’n rathaid-mhòir uainn, bha dail bhuntàta. Air cùlaobh sin bha bruthaichean feurach, air an robh crodh ag ionaltradh. Bha doire beag air uchdan, anns an robh tigh aoibheil, geal, le lios de chraobhan meas mu thimchioll an tighe. A’ sìneadh a mach seach gualainn a’ bhruthaich, cho fada ’s a chitheadh an t-sùil, bha na beanntan troimh ’n d’ thàinig sinn. B’ainm dhaibh, “An Fhairge Chloiche.” Bha iad uile mu’n aon àirde, agus cho teann air aon a chéile gu’n robh iad an riochd muir ghlais chloiche, a dh’ éirich ’n a tonnan borba, agus, am feadh a bha na tonnan aig an àirde, a sheas bìth, mar fo òrdugh Guth, a reòdh iad gu sìorruidh anns a’ chruth sin anns an robh iad. [TD 101] Fuar, glas, fàsail mar a bha’n Fhairge Chloiche ri coimhead oirre o chéin, bha i do-ìnnseadh glòrmhor ri fhaicinn air an fheasgar sin fo òradh na gréine, aig àm dhi dol fodha air chùl nan tonnan tiamhaidh, neo-ghluasadach. “Theireadh duine gu’n robh sinn ’s a’ Ghàidhealtachd an so, a Chiorstan,” arsa mise, a’ tionndadh ri m’ mhnaoi a bha ’dearcadh le aoibh air an dùthaich mhaisich mu’n cuairt. “Ma tà,” fhreagair i gu socrach, “’s e ’cheud àite chuirinn an coimeas rithe o’n a dh’ fhàg sinn an Tairbeart. Theirinn gu’m b’e mìr a dh’ Albainn a bh’ ann, ach gu’m bheil còmhnard mòr an so an àite loch.” [TD 102] MEINN AN T-SALAINN. Air dhuinn teannadh a mach air an ath mhaduinn cha robh ar toileachadh air a lughdachadh. Bha’m baile cho coltach ri Dùn-éideann ’s a tha aon bhloigh ubhail ris a’ bhloigh eile. Bha ’chreag an sin, leis an Dùn air a mullach; ach, an àite gàraidhean Sràid a’ Phrionnsa, bha sruth na Saltsa a’ ruith aig a bun, geal le sneachd nan eigh-shléibhte reòidhte. Bha e mòr aig na caileagan an tigh fhaicinn ’s an d’ rugadh Mozart. Air mo shon-sa dheth, cha robh suim agam d’ a leithid; ach rinn e math dhomh iadsan fhaicinn cho toilichte. Chaidh sinn do’n Dùn, a’ dol an toiseach troimh ’n rathad a rinn na sean Ròmanaich, tre ’n chreig, a tholladh o aon taobh gus an taobh eile. Chaidh sinn, mar an ceudna, do’n chladh aig ìochdar an dùin, taobh na h-aibhne. Bha anns a’ chladh sin seachd uaighean, le seachd stuib iaruinn, air an robh leacan beaga cuimhneachaidh aig ceann gach uaigh. B’ iad seachd mnathan aoin duine ’bha ’nan laidhe ’s na h-uaighean sin, a mharbh e air ghaol an airgead oighreachadh. A chum nach faighteadh brath air gu’m b’esan a mharbh iad, no an dòigh air an do mharbh e iad, chuir e gu bàs iad le ciogailt a chur ’n an casan! Mar sin cha robh aile air an cuirp. An aghaidh ni cho sgreamhail, bha, air an gearradh air clach-chuimhne eile, briathran cho freagarrach, ar leam, ’s a chunnaic mi riamh, thairis air uaigh màthar:—“Maith bha thu, a Mhàthair, maith; mòr bha’n gaol a thug thu dhuinne.” Bha’n dùthaich cho taitneach ris a’ bhaile. An àite gàradh cloiche eadar na dailtean, bha ann sreath de chraobhan ubhal. Bha na daimh ’nam beothaichean briagha, slìogte; anns a’ chulaidh a b’ fheàrr agus air an cìreadh cho mìn ri steud-each. [TD 103] Ach bha sealladh ris an deas a chuir smior annainn, agus a dhùisg dian thogradh gu dol na bu tinne air, B’e sin an Watsmann; beinn a bha ’g éirigh àrd os cionn guailne a comhaoisean. Bha ceud sneachd na bliadhna air tuiteam cheana oirre, agus air a ceann a liathadh, ged nach robh againn ach an t-ochdamh latha de cheud mhìos an fhoghair. Ghabh Dòmhnull forfhais air an rathad a bu ghoireasaiche gu dol sgrìob am measg nam beann agus bha carbad ri bhi deas aig seachd uairean air an ath mhaduinn gu ar toirt gu Loch-an-Rìgh, cùl an Watsmann. An sin bha sinn ri gabhail a suas taobh na beinne, gu tigh-òsda beag far am faigheamaid fuireach car oidhche. Thilleamaid mu’n cuairt air sligh’ eile, a bheireadh sealladh dhuinn air an dùthaich air taobh eile na beinne. Chaidh sinn an uidheam tràthail ’s a’ mhaduinn, agus air falbh ghabh sinn gu sùrdail, air buille nan seachd uairean. Air dhuinn an còmhnard fhàgail, agus astar ochd mìle dheanamh air rathad réidh ri cliathaich monaidh, thàinig sinn an sealladh lagan bòidheach, le ùrlar gorm de fheur lom, agus le tigh beag aig gach ceann deth. Bha ’n carbad againn air tighinn air aghart dìreach os cionn an rathaid a bha dol a sìos do’n lagan, an uair a bhrùchd a mach air dorus am bruach na beinne air taobh thall an lagain, buidheann de shluagh cho éibhinn ’s a chunnaic mi riamh. Chaidh roinn de’n chuideachd a stigh do’n tigh bheag a bu dlùithe orra, thàinig an còrr dhiubh a dh’ ionnsuidh an tighe bu tinne oirnne. Rinn an carbadair air a shocair am feadh a ghabh sinn beachd orra. Thug mi aire shònruichte do’n dream bu dlùithe làimh. Thug iad ’nam chuimhne dealbh nan Escimòthach. Bha iad beag, cuideil ach aig a’ cheart àm neònach. “Ma tà,” arsa mise rium fhéin, “’s iomadh earradh annasach a chunnaic mi o’n a dh’ fhàg mi’n tigh; ach tha na daoine so cho àbhachdach ri muinntir a chunnaic mi fhathast. Bha boineid mhaol ghorm orra. Bha [TD 104] briogaisean bùcail, geala orra. Bha còta goirid gorm orra, le crios leathair m’am meadhon, agus aparan leathair an crochadh o’n chrios: cha b’ann air am beulaobh, ach air an cùlaobh. Mar a thubhairt mi, bha bùc ’s na briogaisean, a thug air na daoine sealltainn geanntach, goirid. Air do’n fhear mu dheireadh dhiubh dol ás ar fradharc, dh’ fheòraich sinn de’n charbadair cò b’ iad na daoine bha’n sin. “Tha cuideachd a bha stigh ’s a’ Mheinn Shalainn a th’ anns a’ bheinn sin thall. Ma’s math leibh fuireach gu dol troimpe, tha ùine gu leòir agaibh air a shon;” fhreagair an carbadair. Cha bu luaithe ’thuig Mairearad is Màisi ciod a bu chiall do’n t-sealladh, na ghrìos iad oirnn feitheamh, agus, aidichidh mi ’n fhìrinn gu’n robh mi fhéin, mar an ceudna, glé dheònach air a’ mheinn fhàicinn. Sheòl an carbadair dhuinn an tigh a b’ fhaide thall mar an t-àite ’s an deantadh còrdadh mu’n fharadh. Mar sin dh’ fhalbh Dòmhnull agus mise gu amharc as déigh gach ni feumail, am feadh a chaidh na mnathan a ghairm a stigh do’n tigh bheag aig a’ cheann a bhos. Cha bu luaithe ’thuig muinntir na meinn gu’n robh toil againn dol troimpe, na chuireadh dà mheinneadair a dh’ ullachadh na slighe air ar son; agus thugadh deise meinneadair an t-aon dhuinn g’a cur oirnn, a chaomhnadh ar n-aodaich. Am feadh a bha sinn ’n ar seasamh taobh-mach an tighe, a’ feitheamh ri Ciorstan ’s na caileagan, thàinig g’ am chòir fhéin, bodachan crìon, leibideach, seargte. Cha ’n fhaca mi riamh abhag de dhuine coltach ris. Dìreach aig a shàiltean thàinig dà ghiullan cho bòidheach gu’n do ghabh mi iongantas. Bha’n triùir anns an t-seòrs éideadh ’s an robh a’ cheud chuideachd a chunnaic sinn; agus coinnlear an làimh gach aoin. Chlisg mi ’nuair a thuirt an duineachan, an Gàidhlig,—“Tha eagal orm fhéin, Eòghain, nach aithnich thu mi ’s an earradh so!” ’S e guth Ciorstain a bh’ ann. Spleuchd mi oirre, ’s an sin air an dà ghiullan, a bha ’call an lùth le gàireachdaich. [TD 105] “A bhiasdan!” arsa mise, a’ maoidheadh orra le m’ dhòrn; “na ’n robh mis’ air a thuigsinn gu’m b’ann air a’ mhodh so a rachteadh ris a’ ghnothuch, cha’n’eil fhios agam am bithinn air aontachadh tighinn an so leibh! Ciod a theireadh am ministeir na ’m faiceadh e sibh!” “So, so,” arsa Dòmhnull, “sguir de’n bhruidhinn ghòraich sin, ’s na fir a’ feitheamh”—agus lean sinn e thun an doruis a bh’ air taobh a’ bhruthaich. Thàinig dà mheinneadair eile gu ar treòrachadh, aon air thoiseach, agus aon air deireadh oirnn. Bha coinnlear an t-aon againn le coinneal bheag chéir. Chaidh na coinnlean a lasadh air dhuinn dol taobh stigh an doruis, far an d’ fhuair sinn sinn fhéin aig bun staidhreach aimh-leathain chloiche, air a gearradh ás a’ charraig bheò. Bha dath na creige meirgeach, ruadh; bha i uile gu léir a’ drillseadh le salann. An dìreadh na staidhreach, thachradh oirnn, an so air an làimh dheis, agus a rithis an sud, air an làimh chlì, fosgladh anns a’ bhalla le trannsa dubh, dorcha a’ treòrachadh fada stigh, gu cha ’n ’eil fhios ciod an t-astar—cho fada stigh ’s a chaidh a’ chreag a tholladh. Thug e crith uamhais thairis orm smuainteachadh air a’ chunnart a bhiodh ann dà-san a chailleadh a rathad, agus a rachadh air seachran am measg nan toll dìomhair sin a bha ruith gach rathad troimh ’n bheinn. A suas, agus a suas streap sinn, mar nach robh crìoch a’ dol a bhi air an staidhir. An ceann deich mionaidean, no uime sin, thàinig stad oirnn. Bha misneach Ciorstain uidh-air-’n-uidh a’ toirt géill anns an duibhre thiamhaidh, thosdaich. Shuidh i sìos air an staidhir. “Ciod a th’ ort, m’eudail?” dh’ fheòraich mi, le iomagain. “Tha e uamhasach,” ars’ ise, “’bhi air ar glasadh a stigh an creig mar a tha sinn. Tha na facail a’ tighinn a stigh orm a dh’ aindeoin— “Cha till, cha till, cha till mi tuilleadh.” “Tha eagal orm nach tig mi beò as an àite so, ’s cha ’n fhaic sinn an Tairbeart gu bràth tuilleadh.” Agus thug an dùile bhochd a neapaicinn as a pòca, ’s thòisich i ri gal ’s rì caoineadh. [TD 106] “Tillidh sinn! Tillidh sinn a nis fhéin!” arsa mise; ach air dhomh ospagail eile ’chluinntinn air mo chùlaobh, thionndaidh mi. Bha ’n sin Màisi, ’s na deòir a’ sileadh gu frasach, agus i gun anail a’ gàireachdaich. Dhearc mi le mì-chiatadh oirre. “O!” bhris i mach, “na bithibh diombach rium! Tha e cho neònach bodachan fhaicinn a’ caoineadh, agus a’ suathadh a shùilean le neapaicinn bheag ghrinn!” Agus, air m’ fhacal fhéin, air dhomh amharc a rithis an rathad a bha Ciorstan, cha b’ urrainn domh trod ris a’ chaileig. Ach chuir mi rithis ri Ciorstan gu’m b’ fheàrr dhuinn tilleadh. Stad i d’a gul; agus dh’ éirich i le cabhaig, ag ràdh. “Rachamaid air aghart. Théid dhòmhsa mar a théid do chàch, agus is leòir sin.” Mar sin thòisich sinn ás ùr air an staidhir a dhìreadh. Mu thuaiream deich mionaidean eile ràinig sinn am mullach. Bha trannsa math a’ ruith a mach air gach làimh. Ghabh am meinneadair a bh’ air thoiseach, thun na làimhe deise, lean sinn e gus am faca sinn gath fann soluis astar air thoiseach oirnn. Air an t-solus a ruigheachd, chunnaic sinn gu ’n d’ thàinig e á seòmar soillseach a bha ris an deas. Bha trannsa goirid a’ treòrachadh g’a ionnsuidh. Bha sreath de cholbhan snaidhte air gach taobh de’n trannsa, le bogha cloiche tarsuing eadar gach paidhir. Bha na boghachan so greadhnaichte le mìrean gloinne iomadh-shlisneach, agus de iomadh dath, mar an uinneagan Eaglais-Mhòir Ghlascho; agus bha maise air a thilgeadh air gach ni tre dhealradh an t-soluis trompa. Chaidh sinn air aghart do ’n dorus. Bha ’n seòmar air a chladhach as a’ charraig, a bha ’n so cho geal ri marmor fìor-ghlan, agus a’ dèarrsadh fo sholus ceud coinneal bheag chéir, a bha ’n coinnlear mòr, an crochadh bho ’n mhullach. Am meadhon an t-seòmair bha coslas altair ceithir-oisnich, de ’n aon seòrsa cloiche ris a’ chuid eile. ’Na shuidhe air bha crùn na h-Austria, leis an dà litir, F.I. mu throidh air fad, os ceann a’ chrùin air son Fraing Ioseph, Iompaire na h-Austria. [TD 107] Bha ’n crùn agus na litrichean air an grinneachadh le seudan dealrach, mar anns an fhìor chrùn. Ciod an t-iongantas a chuir e oirnn an uair a chaidh ìnnseadh dhuinn gu ’m b’ ann de chlachan salainn a bha na seudan uile, agus na mìrean gloinne òirdheirc air an gearradh. Bha iad an sin de dhearg, de phurpur, de uaine, de ghorm agus de bhuidhe; am feadh a bha ’n seòmar, bho ùrlar gu mullach, geal mar an sneachd. Air dhuinn ar leòir amhairc a dheanamh air an iomlan, dh’ fhàg sinn an seòmar soillseach, thill sinn do’n trannsa dhoilleir, agus ghabh sinn air aghart. “C’ àit’ am bheil na carbadan anns an d’ thubhairt sibh gu’n robh sinn ri tilleadh?” dh’ fheòraich Peigi de’n mheinneadair a bh’ air deireadh, oir b’e a b’ fhaisge dhi. Rinn e snodha gàire, ’s bha gàire ’s an t-sùil aige, air dha an fhreagairt a thoirt: “Dean foighidinn beagan; thig na feunadairean an deagh àm.” An ùine ghoirid thàinig sinn gu ceann na slighe. Air thoiseach oirnn bha sloc domhain. An àite staidhir bha sleamhnachan gu téarnadh air. Bha’n sleamhnachan air a dheanamh de fhiodh. Bha e cho aimh-leathann ri fàradh; ach, an àite rongais, bha maide eile air a leagadh a sìos am meadhon, agus, gus na trì maidean a chumail ’n an àite gu diongmhalta, bha maidean beaga tarsuing, mar ùrlar air an taobh gu h-ìosal. Bha ròpa air gach taobh gu greim a dheanamh air leis na làmhan anns an dol sìos. Shuidh a’ cheud mheinneadair air an rong mheadhoin, le cas air gach taobh air an ùrlar fhiodha. Thug e air Dòmhnull dol air a cheart seòl air a chùlaobh, agus greim daingeann a ghabhail air amhach a chòta le aon làimh. Shuidh mise air cùlaobh Dhòmhnuill, a’ gabhail greim air a chòta-san. Shuidh an sin Ciorstan, agus air a cùlaobh-sa bha Màisi. B’ann a nis a bha feum aca air na h-aparain leathair. Chuir iad na h-aparain fodhpa, air an rong mheadhoin, agus shuidh iad orra. Bha ’n rong cho sleamhain le ùis ri eigh, no gloinne. Bha Peigi air tì suidhe air cùlaobh Màisi; ach shìn an sean mheinneadair, a bha cho càirdeil rithe, a ghàirdean a mach g’a bacadh. [TD 108] “Théid thusa sìos leamsa,” ars’ esan, le gàire ’s an t-sùil. “Cha’n fhaod tuilleadh ’s a’ chòir dol sìos còmhla; dh’ fhaodadh sin a bhi cunnartach.” Air dha so a ràdh sheas Peigi gu h-ùmhal air a h-ais. Shleamhnaich sinn a sìos gu socair, athaiseach, seach eagal a chur air Ciorstan; agus ruig sinn an t-iochdar gu tèaruinte. Air dhuinn uile faighinn a rithis gu ar casan, rinn am meinneadair againne glaodh ris an fhear a bha gu h-àrd gu’n robh an rathad réidh. “Seadh!” fhreagair am fear eile, “thig sinn am prioba!” Sheas sinn mu’n cuairt aig cas an t-sleamhnachain le fiughair ri Peigi fhaicinn a’ téarnadh cho socair ’s a rinn sinn fhéin; ach mu’n gann a thog sinn ar sùilean—deis-dé!—bha i aig ar casan. Chum an sean mheinneadair air a h-ais i a dh’ aon obair; agus thàinig e leatha cho grad agus ged a thuiteadh iad ás na speuran. Chaidh a’ choinneal aice ás, agus cha mhòr nach do stad a h-anail le luathas an t-sleamhnachaidh; ach, an uair a thàinig sinn uile mach le glag gàire, ghàir i fhéin cho cridheil ruinne. “Cha b’ urrainn domh thuigsinn,” ars’ i, “c’ ar-son a thuirt an duine, dà uair thairis, an robh mi cinnteach gu’n robh greim diongmhalta agam air a chòta. An droch stic esan!” Bha sinn a nis air ùrlar a b’ ìsle, trì cheud troigh bho sholus latha. Ris an làimh dheis bha dà shloc fharsuing, ás an deachaidh an salann a chladhach. Bha’n sloc a bu lugha leth-cheud troigh air doimhnead; an aon eile trì fichead troigh. Air ar beulaobh, beagan shlatan uainn, bha bruach creagach ag éirigh mar bhalla. Fo’n chreig, a’ ruith a nunn ás an t-sealladh foidhpe, bha cearcall de choinnlean, mar chrios rionnagan, a’ lasadh suas oir lochan sàile. Thug so tomhas éiginn duinn air meudachd an lochain. Chaidh sinn thun ceadha beag, agus ghabh sinn a stigh do bhàt’ an aiseig. Cha’n’eil e comasach dealbh a thoirt dhaibhsan nach fac a leithid, air cho dubh ’s a tha coslas uisge far nach ’eil leus idir [TD 109] de sholus latha. Bha sinn a’ seòladh mar air loch de dhubh. Ged a bha na coinnlean a’ tilgeadh solus fann air, cha d’ rinn iad ach an dùibhre ’dheanamh na b’ fhollaisiche. Dh’ amhairc mi suas. Os ar cionn bha sgaoilte speur creige, cho ìosal gu’n do chuir mi suas mo làmh gu beantainn ris. Cha d’ éirich grian no gealach riamh air; ni mò rinn sgiath eòin itealaich thairis air. Cha do thilg iasgair riamh a lìon ’s an lochan so, gu iasg a ghlacadh. Thum mi mo làmh anns an t-sàile, agus dh’ fheuch mi e air bàrr na teanga. Bha e gu math na bu shaillte na sàile a’ chuain. Dh’ innis an sean mheinneadair gu’n robh feadain air an leagadh eadar an lochan so agus na bailtean uile mu’n cuairt, gu astar ceud mìle. Mar so, an teis-meadhon tìr-mòr na Roinn Eòrpa, bha e comasach do mhuinntir nam bailtean iad féin fhailceadh an sàile. Mar so bha ionmhas dìomhair nan sléibhtean a’ craobh-sgaoileadh slàinte agus neirt air son a’ chinne-daonna. Air dhuinn taobh thall an aiseig a ruigheachd, agus faighinn air tìr aon uair eile, dh’ fharraid Peigi: “An ann an so a tha na carbadan?” “’S ann dìreach an so a tha iad,” fhreagair an sean mheinneadair. “Ach ’s e ’cheud rud na coinnlean a thrusadh; cha bhi feum tuilleadh orra.” Air so a ràdh, thug e na coinnleirean uainn, agus chuir e iad a leth-taobh, air sgeilp ’s a’ chreig. Thugadh am follais, an sin, furm fada, caol. Bha e air a dheanamh de aon rong mìn fìodha, le cathair dà-làimh aig gach ceann deth. Bha’n dà chathair ag amharc an aon rathad. Bha cuibheall bheag air gach cas de na cathraichean, agus bha stiùir air a’ chathair-mhòir air thoiseach. Thug sinn an aire gu’n robh slighe aimh-leathann iaruinn air a leagadh air an rathad. Chaidh na cuibhleachan a chur mar a bu chòir, air na slatan iaruinn. Shuidh a’ cheud mheinneadair air a’ chathair thoisich, agus ghlac e’n stiùir. Mharcaich Dòmhnull air an fhurm, air a chùlaobh, agus ghabh e greim daingeann [TD 110] air cùl na cathrach. Chaidh mis’ air a chùlaobh-san, agus ghlac mi e mu’n mheadhon. Thàinig an sin Ciorstan agus na caileagan, aon mu seach, a’ gabhail greim air meadhon na té a bh’ air thoiseach oirre. An sin shuidh an sean mheinneadair air a’ chathair aig an deireadh. “A nis,” ars’ e, “air na chunnaic sibh riamh na caraichibh làmh no cas; ach cumaibh ’ur làmhan glaiste mu chéile; ma ghluaiseas sibh eang, cha’n abair mise ciod a thachras ma thuiteas sibh dheth.” Shéid e ás a choinneal agus air falbh ghabh sinn ’n ar sgrìob, le luathas na gaoithe, ’s le dairirich gun chiall, troimh an trannsa dhubh, dhorcha. Thigeadh fead an so, agus sgread an sud an uair a bha sinn a’ ruidhleadh seachad air na fosglaidhean ’s a’ chreig. Faodar bruidhinn mu chleas nam buidseach, a’ dol troimh ’n adhar air sguabaich; ach, gun fhacal bréige, bha sinn cho fad’ air aghart riù, a’ marcachd air furm air an t-seòl so. Ciod a theireadh muinntir an Tairbeirt na’m faigheadh iad sealladh dhinn air sgéith ’s an earradh so! Chuala mi Ciorstan a’ feuchainn glaodh a dheanamh rium; ach aon smid cha b’ urrainn domh ’thuigsinn. Bha eagal mo chridh’ orm gu’m feuchadh i ri gluasad air an dreòl, agus chuir mi aon làmh air mo chùlaobh gu greim a chumail oirre. Ghlaodh mi cho àrd ’s a bh’ agam: “Na caraich air na chunna tu riamh!” Ach ’s gann a bha’m facal ás mo bhilean an uair a leum sinn a mach ás an duibhre gu soillse geal meadhon latha, agus leum sinn air an ath tharruing, le cabhaig na nàire bhàrr ar stead-each lom. “Eoghain!” arsa Ciorstan, “Na biodh a chridh’ agad innseadh do mhuinntir an Tairbeirt gu’n do chuir sinn dhinn an cleas so. Cha robh mi idir toileach an t-aodach so ’chur orm.” “Tha mi deagh chreidsinn ma gheibh iad fios air gu’n toirear an làthair an t-seisein thu;” fhreagair mi. [TD 111] “Ma tà,” arsa Dòmhnull, “ma ni iad sin ’s urrainn dòmhsa fianuis a thoirt ’n ad aghaidh, ’s bidh tu air do mhaslachadh.” Is mhaoidh e oirre le ’dhòrn. Thug Ciorstan sealladh grad ’na aodann; dhùin i a beul, agus lean i Peigi agus Màisi do’n tighein air taobh thall an lòin. Deich mionaidean ’na dhéigh sin bha sinn ’s a’ charbad ’n ar n-uidheam féin, air an rathad gu Loch-an-Rìgh. [TD 112] LOCH-AN-RIGH. Ràinig sinn Loch-an-Rìgh mu dhà-uair-dheug. Am feadh a bha muinntir an tigh-òsda ’g ullachadh tràth bìdh dhuinn, chaidh gille leinn, le bàt’ iomram gu ar toirt gu ceann eile ’n loch. Cha ’n ’eil an loch tuilleadh na sè mìle air fad; ach tha na beanntan air gach taobh dheth cho briagha gu’m bheil e ainmeil mar an lochan a ’s bòidhche ’s a’ Ghearmailt. Bha beinn air an aon taobh mar bhalla corrach ag éirigh gu àirde sè mìle troigh. Air an taobh eile bha bruthaichean feurach, le doireachan tana, am measg am faicteadh na féidh ag ionaltradh. Bha ’n taobh so ceithir mìle troigh air àirde. B’ ann air an làimh dheis dhinn a bha na bruachan corrach. Bha druim, astar uainn, air an robh coille ghiuthais. Na bu dlùithe bha meall maiseach creige a’ tilgeadh sgàile trom air an loch, agus a’ falach na gréine uainn. Chuir an gille mach am bàta, agus chum e fo’n dùbhra fhionnar cho fada ’s a b’ urrainn da. Bha Màisi ’n toiseach a’ bhàta, a’ tarruing a làimh troimh ’n uisge. Thilg si i féin air ais, a chum a’ cheud phlathadh de’n ghréin a ghlacadh air dhuinn a bhi ’fàgail sgàil na creige. Thàinig glaodh as a bilean a thug oirnn uile tionndadh an rathad a bha ise ’g amharc. Air an druim, a bha nis ach beag os ar cionn, bha ’choille ghiuthais a’ boillsgeadh mar a’ ghrian a bh’ air a cùlaobh. Sheas gach craobh a mach air a cruth-atharrachadh gu solus fìorghlan. Cha robh de dhuirche ann an craoibh dhiùbh ach mar shnàithne caol, no mar chùl sgéine a’ ruith a suas an stoc; na geuga soillseach a’ gluasad a suas ’s a nuas fo oiteig shèimh. Bha’n sealladh òirdheirc na bu choltaiche ri taisbean nèamhaidh na ri nì ’bhiodh fiughair aig duin’ fhaicinn air thalamh. Cha chuala mi riamh iomradh air a leithid; mar sin thàinig an sealladh orm gun fhios; ach an déigh dhuinn dol seachad air an àite ás am faiceamaid a’ choille fo leithid de [TD 113] shoillse, agus a ghabh na craobhan an dath ’s an coslas coitcheann, dh’ innis na caileagan duinn gu’n do leugh iad na h-uile rud m’a dhéighinn ann an leabhar a sgrìobh Iain Ruskin, agus a thuilleadh air sin, nach robh crann anns a’ choille a ghabhadh an cruth-atharrachadh ceudna, ach a mhàin an giuthas. Cha dì-chuimhnich mi gu bràth an sealladh glòrmhor. Lìon e ar sùil uibhir gur gann a thug sinn an aire do na féidh, no do na bruthaichean air an robh iad. Thill sinn an deagh àm air son na dìnneir; agus an déigh iasg ùr agus buntàta, agus cearc ròiste, le peasair, fhaighinn, chum sinn air aghart air ar slighe; ged a thilg ar turus do’n mhèinn beagan air ar n-ais sinn. B’ ann a suas am monadh a bha’n rathad a’ dol. Thàinig an oidhche; ach bha sinn fathast gun cheann ar turuis a ruigheachd. Dh’ éirich a’ ghealach os cionn nan giuthas a bha tiugh m’ ar timchioll air gach taobh. Bha e àillidh amharc a sìos air doimhne dubh-uaine na coille fodhainn, agus a suas air a’ ghealaich làin a’ snàmh thairis air barraibh nan crann rìoghail, a bha còrr agus sè fichead troigh air àirde; seadh, bha cuid diubh eadar seachd fichead agus ceud gu leth troigh. Bha sinn a’ fàs acrach an uair a tharruing an carbadair a suas aig tigh geal, air mullach uchdain, le gualann a’ mhonaidh ag éirigh air a chùlaobh. Ghabh e trì gu leth uairean an uaireadair, a’ dìreadh gun sgur, gus an tigh-òsda so a ruigheachd. Chuir e faobhar air ar càil tighinn cho fada troimh àile glan fionnar na beinne, agus bha sinn taingeil cupan teth tea fhaotainn gun dàil. Bha sinn mar an ceudna taingeil na bh’ againn de bhreacain a chàrnadh thairis oirnn an déigh dol a laidhe, oir bha smior anns an osaig a thàinig a stigh air na h-uinneagan. Cha robh brat air na h-ùrlair, ach bha iad cho glan ri bòrd; cha robh pàipear air na ballachan ach bha iad cho geal ’s a dheanadh aol iad. ’S an àite fhuar, lom, ghlan so, cha bu luaithe bha ar ceann ris an adhart na thuit sinn ’n ar suain chadail. [TD 114] AN STEALLAIRE. Chaidil mi tuilleadh ’s fada ’s a’ mhaduinn, agus an uair a dhùisg mi cha robh Dòmhnull aig mo thaobh. Chaidh mi ’n uidheam, agus thog mi orm gu sealladh a ghabhail air an dùthaich gus an tigeadh àm braiceis. Dhìrich mi frith-rathad a bha treòrachadh gu oir bearradh cas. Os mo chionn bha stùcan liath na beinne ’g éirigh ás na neòil. Fodham bha na coilltean troimh ’n d’ thàinig sinn air an oidhche ’chaidh seachad, a’ lìnndeachadh a’ choire mu’n cuairt. Làimh rium bha allt a’ leum car fichead troigh a sìos do’n choire. Troimh sgàile nan giuthas bha, fada shìos, fosgladh anns am facar steallaire a’ tuiteam le toirm a lìon an coire le fuaim bhinn. Bha mi ’dearcadh air an t-sealladh so le tlachd an uair a thàinig Màisi, agus a sheas i làimh rium. “Am faca sibh Peigi?” dh’ fheòraich i. “Ma tà cha’n fhaca: ’bheil i air chall?” arsa mise. “Dh’ fhalbh i mach dìreach air dhomh dùsgadh, agus shaoil leam gu’m faighinn i’n àit’-éiginn dlùth làimh.” “A cheart ni a thachair riumsa ’thaobh Dhòmhnuill. Bidh iad air falbh a’ sràidimeachd; ach cò aig tha fios c’ àite!” “Tiugainnibh,” arsa Màisi, “agus théid sinne sràid leinn fhéin; cha bhi ’m biadh deas fad leth-uair fhathast; rachamaid sìos thun an steallaire sin!” agus thug Màisi tarruing air mo làimh. Bha ’m frith-rathad a’ téarnadh a’ bhruthaich thun na coille. Chaidh sinn a sìos an leathad; Màisi làn toil-inntinn leis na flùragan bòidheach de nach fac i ’n leithid riamh gus a nis. Bha aon diùbh de ghuirme cho trom, agus de chumadh cho àluinn gu’n d’ thàinig na deòir ’n a sùilean gorm féin ag [TD 115] amharc air. Bha e air lìth an speur an uair ’is guirme e. Bha foghannan an sin air nach robh fad òirlich de chas. Bha e suas gus an amhach anns an talamh. B’ ann le m’ sgian a gheàrr mi ’n ceann deth, o mheasg nan duilleagan sgaoilte eadar e ’s an làr. Bha Màisi mar gu’n d’ fhuair i cùnnradh anns gach blàth ùr a choinnich i. Bha sinn a’ dlùthachadh ris an Steallaire, agus thug sinn sùil troimh na geugan tiugha an rathad a bha e. Bha ceò ag éirigh ás an amar anns an robh e tuiteam, agus bha ’fhuaim cho àrd gu’m b’ fheudar ar guth a thogail an labhairt r’a chéile. Troimh ’n cheò chunnaic sinn gu’n robh cuideiginn air an àite ruigheachd air thoiseach oirnn. “’S iad Dòmhnull is Peigi a th’ ann!” arsa Màisi. “’S iad a th’ ann gu dearbh!” arsa mise, ’g amharc air a’ chàraid a bha trang a’ bruidhìnn; ise ’n a suidhe air stoc craoibhe ’bh’ air tuiteam; esan a’ leigeadh a thaic ri craoibh làimh rithe. Thug sinn an aire d’ a chéile aig an aon àm. Dh’ éirich Peigi, ’s thàinig i ’n a leum ’n ar còmhdhail. “Seadh gu dearbh! Is gasda ’theich sibh ás an rathad,” arsa mise, a’ tighinn air aghart. “Seadh gu dearbh!” fhreagair Dòmhnull, agus nach gasda ’thàinig sibhse air ar lorg! Fhuair sibh a mach an t-slighe cheudna!” Sheas sinn càraid mhionaidean aig bruaich an t-sruith, a’ gabhail a stigh àilleachd an àite; an sin thionndaidh sinn a dhìreadh an uchdain thun ar braiceis. Chaidh na caileagan gu h-eutrom air thoiseach oirnn, mar dhà eilid a suas ri taobh na beinne. “’Eoghain!” arsa Dòmhnull a’ tionndadh ’s ag amharc orm eadar an dà shùil, “tha rud-éiginn agam ri ràdh riut, agus tha mi’n dòchas nach diùlt thu éisdeachd rium. Bha e’m bheachd, air dhomh tilleadh gu m’ dhùthaich, bean a thaghadh o mheasg nan caileagan Gàidhealach. Mur ’eil dad agads’ am aghaidh, cha ruig mi leas feitheamh gus an téid mi dhachaidh. [TD 116] Air na h-uile dòigh air an gabhar i, cha’n’eil aon, ar leam a’s freagarraiche no a’s gaolaiche na do nighean fhéin.” “Stad! Stad!” arsa mise, “Na rach na’s fhaide. Cha’n’eil dad agam ’n ad aghaidh mar dhuine; ach ar leam gu’m bheil Mairearad tuilleadh ’s òg air son duine ’thàinig gu d’ inbhe-sa. Cuimhnich gu’n robh thu fhéin ’s mise ’s an sgoil còmhla.” “Bha; ach tha fhios agad gu’m bheil mi còrr agus deich bliadhna na ’s òige na thusa, agus gu’n do phòs thu glé ghoirid an déigh dhomh ’n dùthaich fhàgail. Cha’n’eil mi ’m ghiullan, cinnteach gu leòir; ach mur ’eil dad aice-se ’m aghaidh, an tilg thusa cnap-starra ’s an rathad?” “Cha’n’eil fhios agam gu ro mhath ciod a their mi!” “Eisd riumsa,” arsa Dòmhnull a rithis, “Tha fios agam gur nì mòr a tha mi ’g iarraidh ort; ach smuaintich air an aoibhneas a bheireadh e dhòmhsa do nigheansa fhaighinn! Nighean mo charaid; caileag Ghàidhealach, ás a’ bhail’ againn fhéin. Bhiodh boirionnach ’s am bith eile,—ciod air bith cho math ’s a dh’ fhaodadh i ’bhi,—mar choigreach dhomh a nis, an déigh an spéis a th’ agam do Pheigi.” Bha sinn air an tigh a ruigheachd; mar sin cha robh tuilleadh cothrom air bruidhinn mu’n chùis aig an àm; ach ’s e ’thàinig ás gu’m faca mi gu’n robh taobh blàth aig Mairearad ri m’ shean charaid. Shocruich sinn nach biodh ceangal eatorra gus am biodh Dòmhnull greis aig an tigh. Mur tachradh e air té bu docha leis, dh’ aontaicheadh a màthair agus mise gu’n tilleadh i leis do’n dùthaich chéin a bha nis dha mar dhachaidh. Goirid ’n a dhéigh sin thill sinn dachaidh do’n Tairbeart; oir cha robh fonn air Ciorstan no ormsa dol na b’ fhaide. Bha e goirt oirnn ar caileag a chall. Tha greis uaith sin. Air son Dhòmhnuill dheth, cha do chòrd nighean eile ris ach a’ cheud té air an do leag e ’shùil. Cha robh atharrach air ach strìochdadh, agus Mairearad a thoirt suas dha, a chionn cha b’ fhiù leatha gille ’s a’ bhaile làimh ri Dòmhnull. [TD 117] Tha mi’n dòchas nach do sgithich mi sibh leis a’ chuid mu dheireadh so de m’naigheachd; ach faiceadh sibhse, cha’n’eil uair a chuimhnicheas mi air mèinn an t-salainn nach tig na thachair air an ath mhaduinn an déigh ’fhaicinn, air ais ’n am inntinn mar gu’m b’ann an dé a bha e. Eadar aon nì agus ni eile, fhuair Ciorstan is mise air ar turus na dh’ fhoghnas dhuinn an iomadh latha so. Ghléidh Ciorstan di fhéin gus an latha ’n diugh an seòrs’ uidheam ’s an deachaidh i troimh Mhèinn an t-Salainn, air eagal, na’n rachadh an naigheachd am beul mnathan an Tairbeirt, gu’n toirteadh air beulaobh an t-seisein i. [TD 118] SEANN SGEUL MU CHOLAGAINN. [Tha ’n sean sgeul so fìor. Fhuaradh i bho aon de shliochd Mhic Chaluim Cholagainn. Bha bùth aig ogha Mhic Lùcais, anns an Oban, ri m’ chuimhne féin. Tha fios againn gu’m b’ ann anns a’ bhliadhna 1747 a chaidh còir breitheanas a liubhairt, agus binn a thoirt a mach, a ghabhail thairis leis an Rìoghachd o làmhan nan Ceann-Cinnidh. Mar sin tha e uile-choltach gu’m b’e so an uair mu dheireadh a chaidh an sean deuchainn a chleachdadh, air am bheil cunntas ’s an sgeul. Thachair e uair-eiginn eadar 1720 agus 1740. Tha Tòm-a-Chrochaidh air an taobh thall do Loch Feochann, o’n Oban. ’B’e so, a réir coltais, an uair mu dheireadh a fhuair an ciontach dìol a dhroch-bheirt air an Tòm sin. Taobh a muigh do ainm Mhic Dhùghaill Dhunola, agus Mhic Lùcais, cha’n ’eil na h-ainmean ceart air an tabhairt.] A CHEUD SEALLADH. NA bruthaichean mu’n cuairt air Colagainn, eadar an t-Oban-Latharnach agus Loch Faochann. Bailtean beaga fearainn, le’n tighean-tubha, ri taobh nan allt, agus air aodann nan leathad, fo dhealradh maduinn geal Samhraidh. Ann an Tigh a’ Chreagain tha Iain, ’na shuidhe air furm, a’ deanamh cas ùr do’n toirisgian a tha làimh ris. Anna, a bhean, an déigh a’ mhin a chur air a’ bhrochan, le gasan sguabaich ’na làimh, a dol a sguabadh an ùrlair-chreadha. Donnachadh Dhòmhnuill a’ tighinn a stigh le sùrd:— [TD 119] Donn.—Tha muinntir an tighe so ris a’ mhoch-éirigh: ’de’n saod a th’ oirbh an diugh? Iain.—’S coltach gu’n do chuir a’ ghrian tuille na sinne air bonn; ach thig air d’ aghart gus an toir thu dhuinn do naigheachd! Anna.—A’ toirt suidheagan da—Ciamar ’tha Mairearad ’s na h-ingheanan, tha greis o ’n a bha iad a bhos? Donn.—A’ gabhail an àite-shuidhe—Tha iad gu sunndach. Bha Mairearad a’ bruidhinn air tighinn a nall an diugh fhéin, ’s ma thig i gheibh sibh sgeul a chéile ’n ealachd. ’S e thug a nall mise gu’n do bhuail a’ cheart smuain mi a tha mi ’faicinn ’tha ’an inntinn Iain, ’s e sin, gu’m bheil e ’n t-àm amharc ás déigh na mòna. Tha ’n aimsir briagh; am pòr againn ’s an talamh, agus an obair gu léir gu math air aghart. Iain.—’Se sin dìreach a bha tighinn fo m’ inntinn fhéin. Ma leanas air an t-sìd so faodaidh a’ mhòine ’bhi ach beag deas air son a cur ’s a’ chruaich mu’n tig trainge an fhogharaidh oirnn. Donn.—Ma ’s e sin do bheachd cha chuirear tuille dàil ’s a’ ghnothuch. (A’ toirt an aire nach ’eil corc Iain ro gheur, tha Donnachadh a’ sìneadh sgian sheoc dha). ’S fheàrr dhomh taghal air càch de mhuinntir a’ bhaile, agus a ràdh riu tighinn a roinn nam bacan cho luath ’s a bhios e comasach dhoibh tighinn. Iain.—Bidh e cho math gun mhoille ’dheanamh ann am fios ’thoirt doibh; cha chuir e as do rathad thu co-dhiùbh. Faodar deagh thoiseach tòiseachaidh a dheanamh an diugh fhéin an déigh na bacan a roinn. (A’ sìneadh na sgeine air ais da). ’S gasd’ an sgian a th’ agad ’an sin. C’àit an d’ fhuair thu i—mur mì-mhodhail dhomh fharaid? Donn.—Matà fhuair bho’n mharsanta-phac, ’s bha té no dhà ’thuille aige, ás am faodadh tusa ’bhi air do roghainn fhaighinn. Tha i sin cho math nach toirinn seachad i air a dà luach. [TD 120] Iain.—Bheirinn tuarasdal seachduin air son té d’ a leth-bhreac a bhi agam, ach ’s cinnteach gu’m bheil an Ceannaiche air an dùthaich fhàgail roimh ’n àm so? Donn.—Tha fhios gu’m bheil! Cha ’n ’eil ach trì seachduinean, no mìos o’n a bha e mu’n cuairt; ’s bidh greis mu’n till e. Ach stad ort! Bha Sanndan agams’ ag ràdh gu’m fac e té cho math rithe so aig balachain Nèill an Luib: Dh’ fhaoidte gu ’n dealaicheadh iad rithe na’m feuchadh tu iad. Dheanadh i ’m barrachd feum ’n ad làmhan fhéin. Iain.—’S ì ’dheanadh, na’m biodh an t-airgiod ann ri sheachnadh—(Ag amharc ris a’ chlàraidh, far am bheil long bheag an crochadh, air a beairteachadh cho dealbhach ri long a shnàmh riamh air sàile)—Cha ’n ’eil fhios nach deanadh iad suaip rium—’s e sin, mur till am fear-paca. Donn.—Cha ’n ’eil mise ’m barail gu ’n till a’ ghreis so. Ach farraid de na mnathan; ’s iadsan ’is bitheanta ’bhios ag aotromachadh a luchd. Cha’n iongnadh e ’bhi ’nan comain! Cha luaithe chithear e a’ tighinn gu baile na tha na h-uile bean ’s a’ bhaile ’trusadh, mar sheilleanan mu’n sgeap, mu’n cuairt d’ a phac. ’S ann a tha na h-annasan Gallda ’g an cur gòrach air son faoineis de ribeanan sìoda, ’s eile, ’s a’ toirt orra na h-uaislean atharrais. Ach tha e’n t-àm dhomhsa falbh ma tha sinn ri teannadh ris a’ mhòine ’n diugh. Madainn mhath leibh an tràths’. (Tha e ’dol a mach). AN DARA SEALLADH. AITE-MOINE CHOLAGAINN. Bacan na bliadhna-’n-uiridh làn de uisge dubh-dhonn. Clann, thall ’s a bhos, a’ trusadh fraoch mòintich, badain roid, agus canach cléiteagach, a tha ’n am brat-ùrlair eadar na bacan. Iain, Donnachadh, Niall, agus fir eile ’n an cròithlein a’ cur croinn, an déigh dhoibh an t-áite-mòine ’roinn ’na chuibhrionnan co-ionann, a réir àireamh an teaghlaichean. So thairis, tha na fir a’ tòiseachadh ri sgaoileadh. Tha Niall a mhàin a’ seasamh le coltas neo-thoilichte air. [TD 121] Donn.—Ciod a dh’ fhairich thu, ’Nèill? Nach ’eil an roinn a thuit ort a’ taitinn riut? Ar leam gu ’m bheil sinn uile gun aobhar talaich! Niall.—Tha na bacan air an roinn gu taghta math:—ach bhiodh e cho math leam roinn fhaighinn a bhiodh na b’ fhaisge do ’n tigh: tha ’m bac so air an taobh a’s fhaide uaith. Donn.—A Nèill, mur ’eil thu toilichte le d’ chuibhrionn Cuireamaid croinn a rìs ma’s math le càch e! Iad uile, a’ tilleadh.—’S e’n aon chuid leinne ciod am mìr a gheibh sinn; Tilgibh an crann is seasaidh sinn ri ’r cuibhrionn! (Tha iad ás-ùr a’ cur croinn. Tha’n roinn a bh’ aige roimhe a’ tuiteam air Niall. Tha e fathast neo-thoilichte, neo-shocrach). Iain.—Mur ’eil thu riaraichte ni mise suaip leat: cha dean e mùthadh air an t-saoghal leamsa ’de ’chuid a gheibh mi:—Feuch an toilich sin thu? Niall.—Tapadh leat, Iain; bha thu laghach riamh! ’S fheàrr leam do bhac-sa;—gabhaidh mi do thairgse; Tha e na ’s goireasaiche dlùth do ’n tigh. Donn.—So matà, ’fheara, rachamaid an greim gun tuille moille mu’n téid an latha thairis,—ma tha a’ chùis so air a comh-dhunadh? (Tha iad a’ sgaoileadh, gach aon thun a bhac fhéin, agus a’ tòiseachadh ris na sgrathan a rùsgadh. Tha Iain a’ cur a thoirisgian a stigh ’s a’ mhòine le neart a tha ’toirt criothnachadh oirre, agus tha beum mòr a’ tuiteam le spairt anns a’ bhac. Tha ’n t-uisge dorcha ruadh a’ gluasad ’s a’ guracail, an àite sìoladh. Uidh air ’n-uidh, tha aogas bàn ag éirigh, agus coslas duine a’ snàmh air uachdar an uisge. Tha Iain a’ toirt aon sùil air, agus a’ falbh a null far am bheil Donnachadh a’ cur nam both dheth gu sgairteil. Tha Donnachadh ’g amharc air le splèamas). Donn.—Ciod so! Ciod so! Tha thu cho bàn ri bréid! ’S air chrith bho cheann gu bonn cho luath ri duilleig; ’De ’bhreisleach th’ air tighinn ort? [TD 122] Iain.—(A’ smèideadh ris e ’bhi ’na thosd.)—Cuisd gus an innis mi— Tha rudéiginn ’s a’ bhac:—Thig leam ’s gu ’m faic thu. (Tha iad ’nan dithis a’ tighinn agus a’ seasamh air oir bac Iain.) Donn.—(A’ toirt ceum air ais, le oillt ’na ghnùis)—’Se ’n sealladh cianail so! Ciamar a chaidh e ann? Iain.—Cha ’n ann gun dragh a théid a’ cheisd sin fhuasgladh! Donn.—Deanamaid glaodh ri càch mu ’m bean sinn da Bitheamaid ’nar fianuisean do aon a chéile, Nach do chuir sinne làmh ’am beath’ an duine. (Tha iad a’ gairm nam fear eile. Tha iad a’ trusadh mu’n bhac agus ag amharc sìos le uamharr air an aogas). Iad uile.—An Ceannaiche! ’S e ’n Ceannaiche a th’ ann! Iain.—Thugaibh ’ur barail ciod is còir a dheanamh? Donn.—’S i ar ceud dleasnas fios ’thoirt do Mhac Dhùghaill. Iain.—Taghladh an teachdair air a’ Mhinisteir, Is cuireadh e ’an so e, leis a’ Chléireach; Bheir iad dhuinn ùghdarras an corp a ghiùlan, Mu’n tig an oidhche, ’null do Chille-Bhride. (Tha aon de na fir a’ falbh, air muin eich, leis an teachdaireachd. Tha càch a’ feitheamh làimh ris a’ chorp). Tha ’n sealladh a’ caochladh. AN TREASA SEALLADH. TIGH A’ CHREAGAIN. A’ ghreideal air. Anna trang a’ fuineadh aran-coirce. Mairearad, bean Dhonnachaidh, ’na seasamh aig ceann a’ bhùird, a’ toinneadh snàth leis a’ chuigeal. Anna.—M’fhacal-s’, a Mhairearad, cha toir mi guth air! Thuirt thu gu’m faca tu le d’ shùilean fhéin iad? Mair.—Chunna, le m’shùilean fhéin! Cha b’ iad a mhàin An sgioball cailico; na ribeinean; ’S an t-aodach mìn; ach prìneachan, Cnapain, is dubhain air son aodach rìomhach Mar a bhios aig na h-uaislean anns a’ chaisteal. [TD 123] Anna.—Ciod e do bheachd,—ciamar a fhuair an leithid-san Sealbh air na goireasagan Gallda sin? Mair.—’S aithne do’n t-saoghal nach ’eil sgillinn aca:— Creid thusa mise gu’m bi tuilleadh uime Ri ùin’—air neo tha mise air mo mhealladh! Anna.—Tha e ’n a thrioblaid leamsa muinntir òga Fhaicinn cho leagta air na faoineisean An leth a muigh; cha toir iad cliù, no ceannsachd; Cha chuir iad seud na h-irioslachd ’n am broilleach, Is ciod is fhiach àilleachd ’an cruth no ’n dealbh No maise mnà, gun bhanalas is maitheas! Mair.—Tha fios gu ’m bheil thu ceart. Cha b’ionann oilean A fhuair thu fhéin is mise ann ar n-òige: Ach tha muinntir òga ’tarraing thun na Galldachd ’S a’ foghlum dòighean agus cainnt nan Gall. Anna.—Is car a’ dol ’nan cinn mu thìr an sinnsear! Mar gu ’n dean àirneis, aodach mìn, is Beurla, Uaislean de ghoiseinean ’s de ghogaidean! Mur nach ’eil uaisle-nàduir fìor ’s na Gàidheil Ged bhiodh iad ’an tigh-tubha, an clò, ’s an drògaid! ’S i uaisle cridhe blàth an uaisle fhìor! (Ag amharc a mach air an uinneig). Ach, mise ’n diugh, so agad Donnachadh ’s Iain! (An dithis fhear a’ tighinn a stigh). Ciod a thug dhachaidh sibh cho tràth ’s an fheasgar? Iain.—(A’ suathadh an fhallais bhàrr a bhathais). Thug nì a tha ’toirt tàmailt air an àite. Mair.—Ciod a th’air aimhreidh? Innsibh dhuinn gu luath! Donn.—Fhuaradh an Ceannaiche bàite ann am bac. Mair.—Dh’fhaodadh e ’bhi air tuiteam ann e fhéin. Anna.—(Le sùil iomaguin air Iain). Is ciamar a tha sin ’na thàmailt dhuibhse? Donn.—A chionn gu’m bheil droch athailt air a cheann. Nach d’ fhuair e riamh ’s a’ bhac:— Na mnathan (le chéile). Mo chreach, mo chreach! [TD 124] An duine ceanalt’ esan! O, cò a ghabhadh beath’ an duine chòir? Donn.—Am fear a shanntaich làmh a chur ’n a stòr. Anna.—Ach ciamar a bhiodh sin ’n a thàmailt dhùibhse? Donn.—’S ann am bac Iain so a fhuaradh e. Iain.—Agus cha ’n ’eil a h-aon a dh’ aidicheas Gur fios da aon nì saoghalta m’ a thimchioll. Mair.—(A’ toirt sealladh geur air Anna, le gogadh d’ a ceann). Nach d’thuirt mi riut gu’n tigeadh dragh is iorghuill An lùib nan rudan ud! Anna.—(Ag amharc a rithist air Iain, le iomaguin). Ach ’s fios do ’n t-saoghal Nach comasach dhaibh cionnt’ chur ás do leth-sa! Donn.—Tha sinn gu léir fo amharus an lagh Ach gus an téid a’ chùis a réiteachadh. Iain.—’S a chionn nach gabh an gnìomh a lorgachadh Tha sinn ri coinneachadh aig meadhon-là Am màireach, ann an eaglais Chille-Brìde: Tha sinn ri dol troimh ’n deuchainn choitchionnta, A réir sean chleachdainn, ann an cùis de ’n ghnè so: Comharraichidh Ni-Math e féin an ciontach. AN CEATHRAMH SEALLADH. EAGLAIS CHILLE-BRIDE. Air an làimh dheas tha Mac-Dhùghaill Dhunola, ’n a shuidhe air cathair. Dlùth dha tha caisil chrò air am bheil corp a’ Cheannaiche, an t-aodann a mhàin neo-chòmhdaichte. Am Ministeir ’s an Cléireach ’nan seasamh, aon aig gach ceann de ’n chaisil-chrò. Donnachadh, Iain, Niall, agus na fir eile, ’nan seasamh air an làimh chlì, gach fear le ’bhoneid ’na làimh. An Cléireach.—(Ris na fir) Am bheil ’an so a làthair ceann gach teaghlach De mhuinntir Cholagainn? Na Fir.—Tha sinn uile ’n so! [TD 125] Cléir.—Thigeadh gach aon an uair a théid a ghairm, Cuireadh e a làmh chlì air uchd a’ chuirp, Is leis an deas làimh togta suas gu Nèamh Abradh e—Tha mi ’gabhail Dia mar fhianuis Gu ’m bheil mi saor de fhuil an duine so, ’S nach ’eil a chuid gu h-eucorach ’am shealbh, Am Ministeir.—Gu’n deanadh Dia, d’ an aithn’ ar cridheachan,— Am Breitheamh Uile-léirsinneach is ceart— An duine neo-chiontach a theasairginn, ’S an duine ’rinn an gnìomh a nochdadh dhuinn! Uile.—Amen! (Tha ’n Cléireach a’ gairm air an ainm, Donnachadh MacCalum; Dòmhnull Mac-an-t-Saoir; Lachunn MacNèill; aon an déigh aoin, agus tha iad a’ dol troimh ’n deuchainn gu glan, saor. Tha Iain MacLùcais an sin a’ freagairt na gairm. Ar dha tighinn air aghart agus a làmh a thogail, tha ’n corp a’ tilgeadh cneadh). Cléireach.—Tha ’n corp air cneadh a thilgeadh! Neo-mhearachdach, Tha breitheanas an Tighearn’ a’ toirt am follais A’ chiontaich, is a ghnìomh ’ga chàramh dhachaidh,— Cha ruig leas duine tuille tighinn air aghart! (Tha iongantas mòr air a thaisbeanadh air gach gnùis). Mac Dhùghaill (Le déine). Ciod? Iain Tigh a’ Chreagain? An duine còir sin! Ri Iain.—’De ’m biadh a dh’ ith thu ’n diugh air do thràth-maidne? Iain.—Matà, le ’r cead, dh’ ith bonnach coirce ’s ubh leis. Mac Dhùgh.—’S bha ’n t-ubh gun salann, cuiridh mise geall? Iain.—Matà, le’r cead, cha robh an salann againn. Mac Dhùgh.—Marbhphaisg air a’ bhean mhosach a thug dhuit An t-ubh gun salann! Falbh is abair rithe [TD 126] Ubh eile ’bhruich, ’s na caomhain salann air;— Greas ort ’s dean cabhag, gheibh thu cothrom eile, Chì sinn an tilg an corp a chneadh a rithis. Tha Iain a’ dol a mach. Mac Dhùgh.—(Os iosal, ris a’ Mhinisteir). Tha fios is cinnt againn, gun fheuchainn idir, Nach ann aig dorus Iain Tigh a’ Chreagain ’Tha ’n cionnt a’ luidhe: Rinn mi sud mar lethsgeul Gu ’fhaighinn ás an amall; Gheibh sinn dheth e! Tha cuideiginn a’ bualadh aig dorus na h-eaglais. Am Ministeir a’ dol g’ a fhosgladh. Tha e ’tarruing an doruis ás a dhéigh, agus a’ fuireach a mach càraid mhionaidean. Air tilleadh dha, tha e ’bruidhinn ri Mac Dhùghaill ’an guth ìosal; Mac Dhùghaill le làmh, ’s le ’cheann a’ leigeadh ris gu’m bheil e ’g aontachadh leis. Tha Mac Dhùghaill a’ seasamh suas. MacDhùgh.—’S coltach gu’n d’ fhuaras brath air cuid de’n bhathar A bhuineadh roimh so do’n Cheannaiche:— Cha d’ fhuair sibh dad de’n bhathar anns a’ bhac? Na Fir.—Cha d’ fhuair, le ’r cead. Mac Dhùgh.—No airgiod,—ruadh no geal? Guthanna nam Fear.—Cha d’ fhuair aon sgillinn—Uibhir ’s feòirling deth! Mac Dhùgh.—Mar sin, tha e cho soilleir ris an latha Gu’m bheil an t-airgiod ’s am bathar còmhla: Am bheil gin agaibhse aig am bheil ni dhiùbh? Donn.—(A’ leigeadh ris na sgeine). Tha ’n sgian so agams’, fhuair mi air a luach i, Trì-sgillinn Sasunnach,—tuarsdal shèa làithean. (Tha fear thall ’s a bhos a’ seòladh rud no rudeiginn a cheannaich e. Tha Niall, a mhàin ’na thosd). Mac Dhùgh.—Nach ’eil diog agadsa ri ràdh, a Nèill? Niall.—Cha ’n ’eil, le ’r cead:—Le bean, is teaghlach maoth Cha ’n ’eil an uibhir sin ri sheachnadh agam Gu’n cosdainn orm fhéin e ann am faoineis. [TD 127] Ministeir.—O’n a tha ’chùis mar sin, cha bhi sibh diombach Ma théid an Cléireach ’s mise troimh ’ur tighean. An déigh an rannsuchadh, mur faighear ni A chomharraicheas ciont, no ’thogas teagamh Comh-dhùinidh sinn gur coigreach ’rinn an gnìomh so, Mar so, tàmailt cha luidh air muinntir Cholagainn. Fear thall ’s a bhos.—Aontaichidh sinne ris a sin gu toileach. (Tha am Ministeir ’s an Cléireach a’ dol a mach). AN COIGEAMH SEALLADH. TIGH A’ CHREAGAIN. Anna, le trom iomaguin ’n a sùil, a’ càramh fòidean air an teine. Aran air a’ bhòrd, cuach bheag làn salainn, agus plaosgan uibhe. (Mairearad a’ tighinn a stigh le cabhaig, an anail ’s an uchd). Mair.—An d’ fhalbh Iain? Anna.—Dh’ fhalbh, o chionn ghreis. Mair.—’S ionghnadh nach faca mi e? Anna.—Ghabh e ’m frith-rathad. Mair.—(Gu misneachail). Cha ’n fhad ach gus am faic thu e air ais. Anna.—(A’ tuiteam ’n a suidhe air furm, a’ cur a h-aparan ri a sùilean ’s a’ briseadh a mach a’ caoineadh). Mair.—Cuisd thusa dhùile bhochd, tillidh e’n ealachd! Anna.—Thilg an corp cneadh aon uair, faodaidh e dheanamh a rithist! Mair.—Cha dean e sin! Cuireamaid a’ phoit chàil air; Bidh Iain ’s Donnachadh ’n so mu’m bi e deas. Anna.—’S mòr m’ eagal nach bi Iain an so an nochd! Mair.—Cha ’n eagal da, tha mise ’g innseadh dhuit! (Tha i ’dol thun an doruis). Nach d’ thuirt mi riut; sin agad iad a’ tighinn! Anna.—(A’ leum thun an doruis, agus a’ seasamh le a làmh a’ sgàileadh a sùilean). Tàing do Ni-Math, tha iad an sin ’nan dithist! [TD 128] (Donnachadh ’s Iain a’ tighinn a stigh:—Anna a’ cur a làimh, le beadradh, air gualainn Iain). O, Iain, fad na h-ùine o’n a dh’ fhalbh thu Bha mi ’g ad fhaicinn le do làmhan ceangailt’ Is tu air d’ iomain leò gu Tom-a-chrochaidh! Ciamar a fhuair thu ás? Iain.—Gu ciatach glan! Ach tha mi ’n amharus gu ’n robh aig Mairearad Corag ’s a’ chùis:—Am bheil mi ceart, a Mhairearad? Mair.—Tha fios gu ’m bheil! An saoileadh sibh, gu dearbh, Gu ’n seasainn-sa a leth-taobh, ann am bhalbhan, Is Iain, a tha cho neo-chiontach ri leanabh A thaobh an ni sin a thug sgainnil oirnn, Fhaicinn an cunnart dìtidh, gun a shaoradh?— Eadhon ged ’tha mo chridhe air a chréineadh Air son an teaghlaich bhochd a th’ anns a’ choire. Iain.—Och, ’s mis’ tha brònach air son Nèill thruaigh! Anna.—Oh, ’s ann air son a mhnà ’tha mise ’fulang! (Ri Mair.)—Ach ciamar a chaidh agad air a’ ghnothach;— Ciamar a fhuair thu ’n cothrom? Mair.—’S ann air mo rathad A’ tighinn an so; bha mi an taobh so ’n eaglais, ’N uair a rug Iain orm, a’ tighinn ’n a sgrìob: Dh’ innis e dhomh mar thachair, aobhar a chabhaig, Is thàr e dhachaidh. Thill mise ’Chille-Bhrìde, A dh’ iarraidh guth a dheanamh ris na h-uaislean, ’Se ’m Ministeir a thàinig thun an doruis: Cha d’ thug mi ainm seach ainm, ach thuirt mi ris— Deannaibh na tighean uile ’rannsachadh, Gheibh sibh am bathar ann an tigh a’ mhortair. Anna.—(Ri Mair.) Mo bhan-charaid dhìleas, ’s tusa sin! ’S tusa a lìon an tigh so ’n nochd le sòlas! Iain.—’S cha dì-chuimhnich sinn, ann ar sonas féin, Teaghlach a’ Chiontaich ann am bròn, ’s ’nam péin! [TD 129] CAILLEACH BHEUR. “Cailleach mhòr an fhuarain àird, ’S acfhuinneach i ’shiubhal chàrn.” “An uair a bha mhuir ’n a coill ’s ’na crìonaich Bha mise ’n sin ’am nìonaig òig.” BHA sinn ’an Tigh an Aiseig, mo chompanach ’s mi fhéin. Bha sinn air ar rathad a chur seachad Latha na Bliadhn’ Uire le càirdean a bha deich mìle dh’ astar uainn. Ach an déigh teannadh a mach, agus faighinn thairis air aon aiseag, dh’ fhàs an oidhche dorcha le neòil, agus leigeadh fa-sgaoil na ceithir gaoithean. Chum sinn air, oir bha ’n rathad cruaidh fo ’r casan, ’s sinn an dòchas gu ’n ruigeamaid ar ceann-uidhe a dh’ aindeoin na stoirm. Anns an tiugh-dhorchadas thiolp a’ ghaoth leatha ad mo charaid. Chuala sinn i ’danntail air an rathad, ’s thug sinn siaradh ’na déigh gu greim a dheanamh oirre; ach dh’ fhalbh i air sgiathan na gaoithe air turus dhi fhéin air feadh na mòintich. Cha deanadh e ’n gnothach ruith air a tòir air feadh nam bacan mòine, oir rachamaid fhéin air chall cho cinnteach ’s a dh’ fheuchamaid e, ’s bhiodh sin na bu mhiosa na leigeil leis an aid dol air allaban. Cha robh dhuinn ach cumail air aghart gus an ruigeamaid an dara aiseag a bha fathast eadar sinn agus ar càirdean. Rinn sinn a mach Tigh an Aiseig, ach bha e neo-chomasach do ’n bhàta faighinn thairis. Cha robh guth aig a’ ghaoith air sìoladh, ’s bha geal- [TD 130] bhan briagh air thoiseach oirnn an citsin an tigh-òsda. Mar sin shuidh sinn leis a’ chuideachd a bha ’feitheamh coltach ruinn fhéin, agus cha robh aobhar talaich againn. Bha dà ghill’ òg dìreach fa chomhair an teine. Bha iad a’ feitheamh o thoiseach éirigh na gaoithe. Bha fear diubh gu math stòlda, ach am fear eile sunndach, fosgailte ’s an aghaidh. Cha b’ urrainn am fear sunndach cumail sàmhach. Thàinig piseag a nall g’ a garadh ris a’ ghrìosaich còmhla ri càch. Rug an gille sunndach oirre leis a’ chlobha, ’s leig e air gu ’n robh e ’dol g’ a càradh air ’s teine. An uair a bha e sgìth ag obair air a’ phiseig, chuir e sìos i, ’s an déigh a bhi bìdh car mionaid, chuir e làmh a nunn ’s thug e fàsgadh air sròn fhada bhiorach a chompanaich ag ràdh,—“Mo nàire! Nach cum thu fhéin glan i!” Air a so, thàinig a nall ás an leabaidh duineachan beag, beag, le geoic air ’s croit air a dhruim, ’s rinn sinn uile àite dha gu ’m faigheadh e fàile na grìosaich. Chunnaic e gu ’n robh fadal a’ tighinn oirnn; agus ás a sin cha ’n fhaigheamaid gu beul an latha. Ars’ esan ris a’ ghille shunndach,—Stad gus an innis mi naigheachd dhuit:— Bha ann, o chian fhada ’n t-saoghail, cailleach mhòr, mhòr, a thàinig a nuas a Lochlann. Bha cliabh air a druim, agus slacan draoidheachd ’na làimh. Anns a’ chliabh, bha ùir is creagan, gu Albainn a dheanamh. Air an rathad a’ tighinn, thuit cuid de ’n ùir ’s de na creagan ’s an loch. ’S e sin a rinn na h-eileanan. Bu nighean do Ghrianan a’ chailleach so. Cha robh ach an aon sùil ghlogach aice ’an clàr an aodainn; ach bha sealladh na sùla sin cho luath ri rionnach a’ chuain. Bha neul a h-aodainn dubh-ghorm; agus bha fiaclan sgòrach ruadh ’n a craos. [TD 131] Bha brèid air a ceann,—mar a bhiodh air na mnathan o shean,—ach an àite bhi geal ’s ann a bha e breac, ballach, ’s bha a ciabhan glasa mar chrithionn fo chrith-reodha, a sios m’ a guailnean. Cor uair bhiodh osain oirre, ’s cor uair mogain liatha; ach cha ’n fhacas riamh i gun sùmag de phlaide odhar m’ a slinneinean. Bha treudan fhiadh aig a’ chaillich; agus iomadh ealtainn de ghabhair is de chaoraich cho geal ris an t-sneachd. Shiùbhladh i leò thairis air mullach nan càrn, ’s a nuas na sléibhte. B’ i a’ Chonathuil an clacharan thairis air am biodh na gabhair air an iomain a nuas bho Chruachan, ach b’ ann a nuas Gleann Nibheis a bu bhitheanta bha i ’g iomain nam fiadh. Bha treudan eile aice a mach eadar na Torrainnean agus an Dubh-Irteach. ’S ann an sin a gheibhteadh na féidh ag ionaltradh: cha robh raon eile cho fosgailteach ris gu ruith is mire gus am biodh iad seac sgìth. An uair a thigeadh an t-àm gus na gabhair a bhleoghan, ruitheadh iad ’n an treudan a stigh do Uamh Bhuaile-nan-Drògh, aig Rudha na Caillich. B’e ’n sealladh am faicinn, ’n an sreudan caoir-gheal, agus gaoir an t-sruth-bhleoghain ag éirigh gus na nèamhan. An uair a dheanadh a’ Chailleach sreothart aig Rudha na Caillich, chluinnteadh i an eilean Chola. B’ ann an Coire-Bhreacain a bhiodh i a’ postadh a plaideachan. Trì lathan mu ’n tòisicheadh an obair, chluinnteadh srann aig a’ Choire fad fichead mìle mu ’n cuairt. An sin rachadh a’ Chailleach ris a’ phostadh, gus am biodh beul a’ Choire ’cur thairis le cobhar fad mhìltean m’a thimchioll. An uair a bha ’m postadh réidh bhiodh breacan ballach Albainn gun smal o cheann gu ceann. Bha dà lùchairt aig a’ Chaillich. Gheibhear Tota, no Totacha Cailleacha Bheur anns an Ros Mhuileach, agua mar an ceudna aig Loch-a-Phuill ’an Tiriodh. [TD 132] Tha ’n staidhir air am biodh i dol sìos fo ’n Linne Sheilich anns an Apainn. Tha aon cheann de ’n staidhir a’ dol sìos am measg nan creagan dubha air taobh siar Shiùna, agus tha ’n ceann eile dhi ri fhaicinn ’an Ceann-geàrr-loch. Tha dà Fhiodhan na Caillich ri fhaotainn ’an Achanambà, ’am Meadarloch. Tha aon de na Fiodhain, cho mór gu ’m bheil dail arbhair ’s a’ mhàs aige, agus craobhan ’s preasan a’ cinntinn mu ’n cuairt air a chlàraidh. Bha tobar fìor-uisg air mullach Chruachain, far am biodh a’ Chailleach a fuireach ’s an oidhche le a treudan. B’e a dleasannas faire thairis air an fhuaran so, agus clach a chur air beul an tobair aig àm dol fodha na gréine. Ach, aon oidhche, air dhi a bhi sgìth ag iomain nan treud, thuit i ’n a cadal gun a’ chlach a chur air beul an tobair. Ruith an t-uisge thairis gus an do bhris e mar bheum-sléibhe troimh na creagan aig Bealach a’ Bhràn-shruith ’s thaom e sios air a’ chòmhnard, a’ toirt léir-sgrios ’n a lorg air gach duine ’s ainmhidh a bha tighinn beò air. Tha ’m bealach an sin fhathast, far am bheil Atha a’ ruith á Loch Odha; agus b’ ann mar sin a rinneadh Loch Odha. Bha, mar a thubhairt mi, slacan draoidheachd an làimh na Caillich. ’S e ’n rud a bha i ’deanamh leis, a bhi gun tàmh a’ slacadh an talaimh gus an robh e cho cruaidh ri iarunn; cho cruaidh agus nach b’ urrainn do lus no do dhuilleag mairsinn beò air uachdar. Cha robh dad idir a chuireadh a leithid de chorruich oirre na gu ’m biodh a choltas air feòirnein bideachadh. ’S e a b’ aobhar air so, gu ’n robh a mac ag amharc ás déigh bean-òg, agus cho cinnteach ’s a bheireadh e dhachaidh i, bha riaghladh na Caillich thairis. Fhuair a’ Chailleach a dòigh fhéin gus a nis, ’s cha robh i ’dol g’ a thoirt suas cho fad ’s a bhiodh e ’n a comas a ghleidheadh. ’S ann a chuir i ’n ruaig air a’ chàraid òig, agus mharcaich i as an déigh cho luath ’s a bh’ aice. Ach thog a mac a’ [TD 133] bhean-òg air an steud-each bhàn aige agus theich e air falbh leatha. Tha sloc am measg nan creag, air Beinn Hàinis an Tiriodh. Thairis air, leum each na Caillich ’s i air tòir a mic. Air do ’n each an leum a thoirt thairis air an t-sloc, bhuail a dhà chois-toisich beum ás a ’chreig. Thugadh Leum-an-eich mar ainm air an t-sloc, agus chithear aileadh nan cruidhean gus an latha diugh. Ach bha a mac a’ tilleadh ’s a’ tilleadh, ged a bha a’ bhean-òg gealtach roimh ’n Chaillich. Mar sin ghairm a’ Chailleach na Faoiltich gus a’ chàraid a chumail ás an rathad. Chum na Faoiltich a mach iad car mìos, agus an sin b’ fheudar dhaibh toirt thairis. Fhuair an sin a’ Chailleach a’ Ghobag nimheil chrainntidh; agus an Fheadag luirgneach luath; agus chum iadsan a’ chàraid air ais fad seachduin. Thuirt an Fheadag,— “’S mise ’n Fheadag luirgneach, luath, Marbhaidh mi ’chaora, marbhaidh mi ’n t-uan; Cuiridh mi a’ bhò mhór ’s an toll Gus am bi an tonn thar a ceann”— Fad’ na h-ùine so, bha ’Chailleach a’ slacadh an talaimh, ach bha e dol buileach ’n a h-aghaidh am fàs a chur fodha. Mu dheireadh cha b’ urrainn di cumail oirre fhéin ’s i ’faicinn an fheòir a’ cinntinn; agus na sòbhragan beaga bìdeach a’ fosgladh an sùilean ’s ag amharc a mach ás na frògan fas-gathach; agus ghlaodh i,— Dh’ fhàg e shìos mi, dh’ fhàg e shuas mi, Dh’ fhàg e eadar mo dhà chluais mi; Dh’ fhàg e thall mi, dh’ fhàg e bhos mi, Dh’ fhàg e eadar mo dhà chois mi! ’Na dhéigh sin thàinig Seachduin a’Ghearrain. An sin ghairm a’ Chailleach na Sgarrthaichean a stigh, agus cha b’ iad a bh’ air deireadh, le ’m marcaichean-sìon. Fad sheachd lathan chum iad a’ séideadh, ’s a’ sguabadh thairis air an fhonn le [TD 134] frasan garbh. Air dhaibh-san géill a thoirt, thàinig an Doirionn mhór a nuas, agus bu treun a rinn i cath; ach b’ fheudar dhi-se mar an ceudna sgur agus a h-anail a ghabhail. Rinn an tunnag fhiadhaich tàir air a’ Chaillich,—“Tha mi fhéin agus mo dhà-isean-deug beò fhathast.” “Stad ort!” ars’ a’ Chailleach, is thug i aon oidheirp eile air an riaghladh a chumail ’n a làimh fhéin. Ghabh i coingheall de na Faoilltich fad thrì lathan. Lìon iad na claisean le sneachd, le uisge, ’s le clacha-meallain, mharbhadh an tunnag, agus chaidh a’Chailleach gu aona-cheann air dòigh agus gu ’n do chuir i a sùil fhéin as, ’na strì an aghaidh cumhachd na beatha ùir a bha ’g éirigh anns gach cuisle de ’n chruitheachd. Ach fhuair a mac a’ bhuaidh. Chuir e ’n ruaig air a mhàthair; thilg i ’n slacan fo phreas chuilinn, agus theich i. Leum a h-each leatha thairis air Loch Eite; dh’ fhàg e aileadh a dhà chois toisich air a’ chreig air Beinn Duirinis; agus thugadh Cruidhean mar ainm air an àite. Thionndaidh a’ Chailleach gu cloich. Tha i ’n a suidhe aig Bealach a’ Bhràn-shruith os ceann Atha, a’ sìor dhearcadh a sìos Loch Odha. Theirear sin le cuid; ach theirear le muinntir eile gur ann aig Rudha na Caillich a tha i ’n a suidhe, a sìor dhearcadh thar a’ chuain. Biodh sin mar a thoilicheas e, cha do chinn feur fo ’n phreas chuilinn riamh o ’n a thilg a’ Chailleach a slacan foidhe:— Thachair so air seachduin na Caillich, agus bha a’ Chailleach air a ruaig air Latha na Caillich, an 25ead de ’n Mhàrt. ——— A nis, nach briagh an sgeulachd sin! Ach, mu ’n dean mi mìneachadh ’sam bith oirre, bheir mi, dhuit an iuchair a thug dhomh fhéin a cheud fhosgladh air a ciallachadh. So mar a thugadh dhomhs’ i le Malmhìna, a rugadh ’s a thogadh ’an tir nan Hùnnach:— Bha, uair a bha ’n sin, buitseach mhór, a bha thairis air ochd buitsichean eile. [TD 135] Bha a’ Bhuitseach mhór cruaidh, neo-chneasda ri bean-òg a mic; cha robh ’bhi beò aig an té òig leis a’ chaillich. Air latha bha ’n sin, thug a’ chailleach rùsg de chaora dhonn do bhean a mic, agus dh’ òrduich i dhi dol agus a nigheadh geal. Dh’ fhalbh an té òg do ’n allt, agus nigh is nigh i an olann, ach ged a nigheadh i e gus an nis, cha bhiodh an olann geal. Thachair do ’n Gheamhradh aosda dol seachad. Thug e ’n aire mar a bha deòir na mnaoi òig a’ sileadh gu frasach, ’s i trang a’ glanadh an rùisg. Dh’ fheòraich e dhi c’ ar-son a bha i ’caoineadh? “A chionn gu ’n d’ thug mo mhàthair-chéile so dhomh ri dheanamh geal, agus cha ghabh e deanamh, agus bidh i trod rium.” “Thoir dhomhs’ e, agus ni mise geal e air do shon,” ars’ an Geamhradh.” Thug i dha an rùsg, ’s cha b’ fhada bha esan ’g a dheanamh geal. Thug e dhi air ais e le aon làimh, agus leis an làimh eile shìn e dhi làn an dùirn de fhlùraichean gorma, ris an abair iad bhioréle,—ag ràdh,— “Ma their do mhàthair-chéile diog riut, no ma dh’ fheòraicheas i ceist dhiot, thoir dhi na bhioréle sin agus abair rithe,—‘Tha na blàithean air tighinn a mach air an t-sliabh.’” Thug a’ bhean-òg an rùsg ’s na flùrain leatha, ’s thill i dhachaidh. Thug i ’n rùsg d’ a màthair-chéile, agus shìn i na bhioréle di ag ràdh,—“Tha na blàthan air tighinn a mach air an t-sliabh.” Las fearg a màthair-chéile. Ghairm i na h-ochd buitsichean eile, agus dh’ fhalbh iad a’ marcachd air an gabhair bhàna, gu cogadh an aghaidh fàis. Ghabh iad coingheall de thrì lathan o ’n Fhaoilteach, agus thog iad doinionn gun chiall. Ach bhoillsg a’ ghrian a mach; agus dh’ analaich a’ ghaoth deas gu blàth, sèimh; [TD 136] fhuaras a’ bhuaidh air na Buitsichean, agus chaidh an ruaig a chur orra. Chaidh an tionndadh gu cloich, agus tha iad an sin, air mullach Beinn Shìlais, aig Temesbhar, ’n an suidhe air an gabhair. Na h-uile bliadhna, air Lathana Caillich, tha na deòir a’ sruthadh gu trom a nuas gruaidhean cloiche nan Cailleachan, aig cuimhneachadh dhaibh mar a chaill iad am blàr, agus mar a chaidh an ruaig a chur orra:—“Agus,” arsa Malmhìna, “chunnaic mis’ iad, oir thug mo mhàthair an sin mi g’ am faicinn an uair a bha mi ’m chaileig.” ——— A nis, an ruig mi leas dubh-cheist na sgeulachd fhosgladh? Is cosamhlachd àillidh i, a chuir ar n-athraichean glic an eagaibh a chéile, anns na lìnntean anns nach robh leabhraichean, no féilleirean aca, no dòigh eile air cuimhne chumail air aimsirean na bliadhna. Is Féilleire so, cha ’n ann air a chlò-bhualadh an Lunainn, le dealbhan a th’ air an lì-dhealbhadh air duilleagan pàipeir, ach air a sgrìobhadh air beanntan an fhraoich; air cùirn is creagan far am maisiche iad; air neòil, agus air tuiltean nan garbh-chrìoch; air tonnan dorcha, adhairceach a’ chuain, ’s air tonnan barra-gheal ar còrsa; ann an aon fhacal, air gach cuspair ’is mò a thogas, no a thàirngeas ar cridhe air aghaidh ghaolach Albainn. Ach, air eagal nach d’ fhosgail iuchair sgeulachd Malmhìna an t-iomlan duit, bheir mi mìneachadh eile, a fhuair mi ann an seann leabhar Lochlannach ris an abrar “An Oide.” [“The Edda.” Tha daoine ’s a’ bheachd gu ’m bheil Edda a’ ciallachadh “Sinn-seana-mhàthair,” ach ’s e m’ amharus gur e Oide, no Oid-fhoghluim a’s ciall da; agus gn ’m bheil dàimh aige ri Oideas, agus gur e “Edda” Instructor mar a theirear ’s a’ Bheurla]. B’ e so am bìoball—mar a dh’ fhaodar a ràdh—a bh’ aig na Lochlannaich mu ’n d’ fhuair iad eòlas air an aon Dia fhìor. Anns a’ cheud earrann deth tha sgeulachdan de ’n aon ghnè ris na sgeulachdan againne mu ’n Chaillich. Oir, ’s [TD 137] fheudar a chumail an cuimhne, nach ann a mhàin eadar Lochabar agus Diùra air an aon làimh, no eadar Tiriodh agus Beinn Cruachan air an làimh eile, a tha iomradh air a’ Chaillich. Tha “Sgrìob na Caillich” air creagan garbha air taobh beinne ’an Siorramachd Pheairt. Tha “Bogha na Caillich,” sgeir fo ’n fhairge, anns na h-Earradh,—ma ’s math mo bheachd. ’S i ’Chailleach, ma ’s fhìor, a rinn beanntan siorramachd Rois. An uair a shuidh i a leigeil a h-anail, chaidh an cliabh ás a chéile, agus, de na thaom ás rinneadh Beinn Bhaicheard. Tha iomradh air a’ Chaillich o na h-Arcaibh gu Creag-a-Mhadaidh, dlùth air Glaschu, far am faicear “The Auld Wife’s Lifts,” clachan mòra, ’n an seasamh far an robh, a réir coltais, sean Chromleac. Tha iad cho eòlach air a’ Chaillich ’an Eirinn ’s a tha sinn fhéin; agus, mar a thuirt mi cheana, b’ ann ’an ear-dheas na Roinn Eòrp’ a dh’ innis Malmhina dhomh an sgeulachd aice. Tha mòran anns an “Oide” a thilgeas solus air brìgh nan samhladh ann an cosamhlachd na Caillich. Tha sgeulachdan aig na Lochlannaich mu cheithir ràidhean na bliadhna. Is i Cailleach Beinn-a-Bhric bloigh de sgeulachd foghair. Tha i ’n a sùmag de phlaide odhar, ’s e sin dath odhar, seargta a’ mhachair ’s na coill’. Tha i am mogain liath de cheò; ag iomain a treudan dorcha, luath,—neòil dhoinionnach, agus tuiltean nam beann,—a sìos Gleann Nibheis. Ann an Cailleach Bheinn Chruachain tha againn mìr eile de sgeulachd foghair. Tha i ag iomain a gabhair thairis air clacharan na Cona-thuil;—’s iad na gabhair, na confhadh-thuiltean còbhragach ’an amar na Cona-thuil an uair a tha Loch Eite air at le tuil nan iomadh allt. Is e am Fuaran Ard thairis air an robh a’ Chailleach ri faire, tobar Beatha-Nàduir. Fhad ’s a bha ’m brod cloiche air a chur air beul an tobair gach feasgar, bha gu leòir uisg’ air a ghleidheadh ann air son feum gach creutair. Ach bha ’Chailleach, ’s e sin, an t-sean Bhliadhna, a’ fàs sgìth, gun lùth, agus a’ tuiteam ’n a cadal. [TD 138] Bha cuimse air uisg an tobair fhad ’s a bha ’n leac air a chur air, ach a nis ruith e thairis, cha b’ ann gu beatha a chumail suas, ach gu sgrios a thoirt air gach dùil air an d’ ràinig e. ’S i Cailleach Bheur, a’ chailleach mhòr a bha thairis air na h-ochd cailleachan eile, agus a thàinig oirnn as an Taobh-tuath, ’s ise ’n Geamhradh. Bu nighean i do Ghrianan;—grian beag fann a’ Gheamhraidh:—Mar a gheibhear e ’s an òran aighearach Ghallda— Mar bhodachan diùid, mu ’n t-sliabh ri deas, Tha ’ghrian gu fann a’ caogadh. ’S iad ciabhan na Caillich siantan a’ Gheamhraidh; frasan dòbhaidh uisg’ is glìb, agus mùig na dùdlachd. Is i ’n t-sùil ghlogach, grian a’ gheamhraidh, a tha ’Chailleach a’ cur aisde fhéin air an 25ead latha de ’n Mhàrt. Oir tha seadh dùbailte anns am feumar a gabhail. Mar a’ Bhliadhna, is nighean i do Ghrianan; mar an Geamhradh, tha aon sùil ghlogach aice. ’S e neul an fhuachd a th’ air a h-aodann dùbh-ghorm. “An ioghnadh mi bhi dubh ho-rò, Dubh ho-rò, dubh ho-rò? An ioghnadh mi bhi dubh ho-rò, H-uile latha muigh o-hì!” Ach cò e a mac, agus a’ bhean-òg? Is e a mac, a’ ghrian; grian na bliadhn’ ùire; a’ tàladh an talaimh gu aodach-bàinnse ’n Earraich òig a chur oirre agus i fhéin a’ sgeadachadh ás-ùr le feur, is duilleach, is blàthan maiseach. Cuimhnich, an so, gu ’m b’ e ’n 25ead de ’n Mhàrt latha na Bliadhn’-ùire, a nuas gu mìosa na Dùdlachd, 1599, ’an Albainn. ’S e sin an latha air am bheil an solus a’ buadhachadh thairis air an dorchadas, am blàthas thairis air an fhuachd, agus fàs thairis air marbhantachd a’ gheamhraidh. [TD 139] So mar bha seann chunntas na bliadhna dol:— Mìos a dh’ Fhaoilteach, Trì làithean Gobaig, Trì làithean Feadaig, Seachduin a’ Ghearrain, Sgarrthaichean na Féill Connain, Doirionn na Féill Padruig, Seachduin na Caillich, Sud a suas an t-Earrach! Tha dìreach aon nì eile a dh’ fheumas mi innseadh dhuit, agus tuigidh tu fhéin an còrr. Anns na linntean fad ás, bha a’ bhliadhna air a roinn ’n a naoi mìosan. B’ iad a rithist, na naoi mìosan nach ’eil marbh, geamhradail, na naoi Buitsichean; agus nach mór an cumhachd a th’ annta ’n uair a bheir iad còmhdach ùr air aghaidh na talmhainn, a’ toirt nam blàithean a mach ’s an t-samhradh, agus a’ toirt an toraidh gu abachd ’s an fhoghar! A nis, cha ’n ’eil feum air tuilleadh mìneachaidh; mar a thubhairt mi, tuigidh tu fhéin an còrr. [TD 140] TOBRAICHEAN SEUNTA NA GAIDHEALTACHD. “Chual’ an sean duine liath ud ’s an oisinn O ’athair an sgeul; ’s mar an ceudna Fhuair esan e fhéin e o ’athair; ’S chum mise an cuimhn’ e ’n an déigh-san.” —Sgeul Leighean Myddfy. NI glé bheag rannsuchaidh a stigh ’s a’ chùis a dhearbhadh dhuinn gu ’m b’ ann á freumhan eadar-dhealaichte a thàinig mòran de shean leigheasan ar ceud sinnsear a nuas d’ ar n-ionnsuidh. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ thàinig iad o shaobh-chreideamh linntean dorcha ar n-aineolais. Bha iad cho dlùth-thoinnte ri aoradh, agus creideamh ar n-aithrichean nach d’ fhuair sinn uile gu léir cuidhteas diubh fhathast. An uair a thàinig na ceud Ghàidheil do Albainn mu B.C. 1200—1500—a réir mar a tha cuid a’ cumail a mach,—bha sin uaireiginn eadar linn Bhreitheamhan Israeil agus linn Mhaois, fhuair iad bun-luchd na dùthcha air thoiseach orra. Bhiodh iad-san ’s an dùthaich iomadh linn roimhe sin. Aig ceud thighinn nan Ròmanach, bha ’n sluagh fathast ’n an treubhan eadar-dhealaichte. Gu ’n deachaidh an cothlamadh air feadh a chéile ’n a dhéigh sin, tha dearbhadh soilleir againn. Tha toradh an aonaidh sin ri fhaicinn ann am buaidhean cuirp agus inntinn an dream sin a tha air éirigh suas mar fhàs nàdurra na tìre. Bha Iberianaich ann, d’ am faigh sinn an leth-bhreac ’s an linn so am measg nan slòigh neo-Airigheanach an Africa, ’s na [TD 141] h-Innsean, agus Eileanan lìonmhor Cuan-na-Sìthe; a tha gnàthachadh gheasan, draoidheachd, aoradh do dheamhain, agus a tha ’n an luchd-ithidh de fheòil dhaoine. Bha ann mar an ceudna na Cruithnich, aig an robh dealbhan air an cuirp, mar air na Màóriean, agus dathan, mar a chithear am measg nan daoine dubha an Africa mu Dheas, a bhios a’ spuaiceadh an aodainn le crèadh ruadh, no gorm, no geal, a réir mar is cubhaidh ’s an aoradh aca. Bha, air an làimh eile na Gàidheil, agus na finneachan Lochlannach sin uile a thaom ’n an sruthan eadar-dhealaichte a stigh do ’n phrìomh-thobar Albannach. Bhuineadh iad so, air gach taobh, do shliochd nan Airigheanach. Bha geilt air na h-Iberianaich roimh thaibhsean an sinnsear, agus, gu dearbh, roimh am mairbh anns gach seadh ’s an gabhar iad. Mheas na h-Airigheanaich leac-an-teintein mar altair agus ceann an teaghlaich mar shagairt na h-altair; agus cha do mheas iad gu ’n robh aobhair eagail anns na mairbh, no gu ’n tigeadh driod-fhortan no sgiorradh orra bho spioradaibh an sinnsear. Tha ’n Gàidheal Albannach a’ toirt fianuis air caochladh freumhachd a bhi ’n a shinnsearachd. Tha corp agus inntinn, cànain agus sean nòs a’ foillseachadh nan sliochd a chaidh a shuidheachadh ’s an stoc reachdmhor Ghàidhealach o ’n d’ thàinig e. Tha dà ghnè de shaobh-chreideamh a tha tur an aghaidh a’ chéile aige; aon ghnè a’ comharrachadh aoradh borb, reasgach; a’ ghnè eile na ’s caoimhneile, na ’s grinne ’s na ’s riaghailtiche a tha mar sheilbh coitcheann aig uile theaghlaichean nan Airigheanach. Tha earrann mhòr de ’n ghnè dhùbailte so ri fhaotainn anns na leigheasan a bhuineas do shaobh-chreideamh ar dùthcha, agus chuidich leth-oireachd nam beann ’s nan gleann gu so uile a chumail an cuimhne nan Gàidheal. Air dhomh aire an leughadair a tharruing a dh’ ionnsuidh nan nithe sin air mhodh aithghearr, seallaidh sinn gun [TD 142] tuilleadh moille air na leigheasan a’s faide ’théid air ais, agus a bu choitchionn am measg ar n-aithrichean. TOBRAICHEAN SEUNTA. Cuiridh e iongantas orra-san nach do ghabh suim do ’n chùis a chluinntinn gu ’m bheil tobraichean seunta ri fhaotainn anns gach ceàrn de ’n dùthaich, agus sin anns an fhicheadamh linn so, a tha cho fad air aghart am foghlum agus léirsinneachd. Cha ’n ’eil fios agam am bheil aon sgìreachd anns a’ Ghàidhealtachd as eugmhais aon. Tha, mar is trice, creag os a chionn, anns am bheil lagan air a chladhach air son nam prìneachan, agus nam bonn bheaga airgid a tha air am fàgail mar thabhartais. Ri linn an Ath-leasachaidh thugadh an aire gu ’n robh an leithidean sin de thabhartais air am fàgail; agus mar an ceudna snaithnean agus criomagan aodaich air an crochadh air na preasan mu ’n cuairt air na tobraichean seunta. Thug a’ chléir oidheirp air a’ chleachduinn a sguabadh glan ás an tìr, ach a dh’ aindeoin nan ceudan bliadhna a tha air ruith o ’n àm sin, cha d’ fhuair e a bhàirlinn fhathast. Tha cuid de àitean ’s an dùthaich far am bheil leth-chreideas air a thoirt do bhuaidhean nan tobraichean a nis fhéin. Ged nach ’eil na criomagan aodaich air an cur air na preasan, tha tabhartais eile air an toirt seachad; cuid diubh an da-rìreadh; cuid eile am feala-dhà, agus a mhàin a chumail air aghart sean nòis. Tha aon de na tobraichean sin aig bun Creag-Chuiriolain, aig ceann Loch Creurann. Tha e ’n sealladh Ard-nan-Clach, agus tha aon chlach mhòr a tha ’n a seasamh leatha fhéin ann an dail, air a fàgail mar fhianuis air a’ Chlachan a bha ’n sin aon uair, agus a thug an t-ainm do Ard-nan-Clach. Tha iomradh air an tobar so an sean leabhar* a tha ’g innseadh gu ’m b’ àbhaist do mhuinntir an àite dol g’ a ionnsuidh a dh’ fhaotainn a mach co-dhiù a dh’ fhàsadh aon a * Dalziell’s “Darker Superstitions of Scotland.” [TD 143] bha tinn na b’ fheàrr, no a gheibheadh e ’m bàs. Ma bha boiteag bheò ann, thigeadh an duine bhuaith; ma bha boiteag mharbh ann, cha robh dòchas d’ a thaobh. Tha e air a ràdh gus an là-diugh, ma chuireas neach bonn airgid ann, a’ guidhe aig a’ cheart àm, gu tosdach, iarrtas a chridhe, gu ’m bi an t-iarrtas sin air a choimhlionadh mu ’m bi a’ bhliadhna thairis. Chaidh buidheann de ’n òigridh againn ann aig aon àm. Fhuair iad an sin prìneachan, agus buinn bheaga airgid air clàr de ’n chreig, os cionn an tobair. Leig fear de na gillean le bonn tuiteam ’s an tobar, a’ guidhe a ghuidhe gu tosdach. Bha nighean eireachdail ’s a’ chuideachd, cho dìreach ri giubhas stàideil, aig an robh ròs ’n a broilleach. Ghabh i sin, agus chuir i air a’ chlàr chreige e “air son bean-shìth an tobair.” Chuir càch prìneachan, agus bonnacha-sèa làimh ris. An Latharna bha tobar anns an robh dà bhreac de dhath dorcha, ris an canadh muinntir an àite iasg seunta. B’ anns na bric a bha éifeachd Bith an fhuarain a’ gabhail còmhnuidh. Bha, rithis, mu Loch Suaineart, còsan anns an robh tabhartais air am fàgail. Chaidh caileag bheag a stigh aon uair, agus thug i leatha aon de na tabhartasan. Dh’ fhàs i gu tinn an déigh dol dachaidh, agus bha a muinntir uile-chinnteach gu ’m b’ ann a chionn gu ’n d’ thug i leatha an tabhartas ás a’ chòsan. Chuir iad fios air Dotair Ra-thuath, agus cha b’ fhada gus an d’ thàinig i ’m feobhas. Aig tobar Chìthich, an Siorramachd Bhanbh, tha ’m fuaran faisg air meall de chlachan mòra, a tha ’n an seasamh cruinne còmhla, agus bha tabhartas daonnan air ’fhàgail leis an luchd-aoraidh a bhiodh ’g a thadhal. Aig Loch Ma-Rìgh tha tobar air an eilean, a bha e air a shaoilsinn a dh’ aisigeadh slàinte do mhuinntir a rachadh ás an riaghailt. An déigh dhaibh òl de ’n uisge, bha iad air an iomram mu ’n cuairt an eilean. Aig Fàrr, b’ ann an déigh an t-uisg’ òl, agus tumadh ’s an tobar, a bheireadh an duin’ euslan a thiodhlac seachad. Dh’ fheumadh e bhi astar math á sealladh an tobair mu ’n éireadh a’ ghrian, air-neo cha bhiodh [TD 144] éifeachd ’sam bith ann. An Abhoch, an Siorramachd Rois, b’ fheudar failceadh mu bhriseadh na fàire air a’ cheud Di-Dòmhnaich de ’n Chéitein; ach bha e mar fhiachaibh air an euslainteach deur de ’n uisge ’dhòrtadh air an làr trì uairean thairis. Bha sin air a mheas mar leigheas cinnteach air son trioblaid air bith. Aig Muthill, an Siorramachd Pheairt, bha ’n t-uisg’ air òl dìreach roimh éirigh gréine, ach bha e mar fhiachaibh òl á adhairc mairt bheò. Bha ’n adharc air a gleidheadh fo chùram seana bhean a bha fuireach astar beag o thaobh an tobair. Chaidh bana-choimhearsnach dhuinn troimh na deas-ghnàthan sin ann an abhainn a bha ruith seach ceann an tighe aice. Bha triùir de ’n chloinn gu h-olc leis an triuthach. Ghiùlain i iad, aon an déigh aoin, gu meadhon na h-aibhne, agus air dhi adharc, a thilg aghan leatha beagan lathan roimhe sin, a lìonadh le uisge, thug i air na leanaban làn na h-adhairc òl. Bhuineadh am boirionnach do Shiorramachd Rois. Cha robh an smuaint a bu lugha ’n a h-inntinn gu ’m buineadh an dòigh leighis so do àmanna ar n-aineolais agus ar saobh-chreidimh. An Srath-Fhaolain bha ’n t-euslàinteach ri failceadh anns an tobar an déigh laidhe na gréine, no mu ’n éireadh i. An déigh ’fhailceadh bha e air a chur air a dhruim air cloich a bha ’n eaglais Chill-Fhaolain, agus air a cheangal ris a’ chloich. Na ’m biodh e air fhaotainn fuasgailte ’s a’ mhaduinn, bha ’n leigheas air a mheas coimhlìonta. Aig Siadar, an Leòdhas, gu fios fhaotainn ciamar a rachadh le duine ’bhiodh tinn, bha neach air a chur le soitheach do ’n tobar air son deoch do ’n aon a bha ’s an trioblaid. Air do ’n t-soitheach a bhi air a lìonadh, bha e air a chur air snàmh air an tobar, cho socair ’s a bu chomasach. Na ’n tionndaidheadh e deiseil, dh’ fhàsadh an duine na b’ fheàrr, na ’n rachadh e ’n rathad eile, mheasadh iad gu ’m fàsadh e na bu mhiosa. An Eige b’ fheudar do aon de mhuinntir an eilein an tobar fhosgladh, air-neo cha deanadh an t-uisge feum ’sam bith. [TD 145] “Na ’n laidheadh coigreach taobh an tobair so fad oidhche, thigeadh mì-dhealbh air a chorp an aon àite no àit’ eile ’n a chois, ged nach deanadh e coire do mhuinntir an eilein.” Tha uamh eadar Inbhirnis agus Abhoch a dh’ ionnsuidh am biodh cuid a’ dol ’s an linn so fhéin air son slànuchaidh. ’S e leigheas air son nam bodhar, no trioblaid air bith mu ’n chluais, a tha ri fhaotainn ann. Tha sìor bhoinnealaich uisge tighinn ás a’ chreig am mullach na h-uaimh so. Fo ’n bhoinne a’s éifeachdaiche, tha clach air an ùrlar, de dhath dorcha dearg. Tha e air a ràdh gu ’n deachaidh màthair ann, aon uair, le a leanabh, a rugadh bodhar. ’S coltach gu ’m b’ i a’ cheud neach a chaidh riamh ann air son leighis. Chum i ceann an leinibh air dhòigh ’s gu ’n tuiteadh am boinne ’n a chluais. Mar bu nàdurra, an uair a thuit am boinne fuar an cluais an leinibh thug e sgreuch ás, agus dh’ oibrich e le a làmhan ’s a chasan. “Sgàin!” ghlaodh a mhàthair gu mi-fhoighidneach. Thàinig an droch ghuidhe gu crìch am prioba, agus dhath fuil an leinibh a’ chlach. Bha e air a chreidsinn aig aon àm gu ’n robh daoine sìthe fuireach ’s an uaimh agus a’ toirt leò na feudail a rachadh air son fasgaidh do ’n uaimh. Chaidh balachan agus caileag a stigh nach fhacadh tuilleadh. Mar sin tha ’n uaimh air a dùnadh suas, a chum ’s nach tig sgiorradh air duine no ainmhidh ’n a dhéigh so. Thogadh e tuilleadh ’s a chòir de ùine agus de àite na ’n rachainn thairis air gach eisimpleir a dh’ fhaodainn a thoirt seachad. Ach tha aon a fhuair mi o bhean mheasail a rugadh agus a thogadh dlùth do Chill-Fhinn. Bha i air tighinn gu inbhe nighinn òig an uair a b’ àbhaist di ’n sealladh so fhaicinn, bliadhna ’n déigh bliadhna. Aig a’ Mhuileann-mhòr, ’an Cill-Fhinn, tha uisge tobar Fhaolainn a’ tuiteam mar eas beag anns an Dochairt. Bha craobh mhòr leamhain a’ tilgeadh a geugan farsuing thairis air an easan gus an do bhuain an doinionn i, dà bhliadhna ’n déigh do ’n doinionn uamhasaich sin a mhill Drochaid Tatha. [TD 146] Ann an oisinn de ’n Mhuileann, a bhuineadh aig an àm sin do athair mo bhana-charaid, bha àireamh de chlachan de dhath grìs-fhionn, air an snaitheadh cho mìn ri marmor. Bha iad air an gearradh an coslas buill fa leth a’ chuirp;—làmh, cas, gàirdean, etc.—bha cridhe ann, is ceann. Cha robh na sùilean air an dealbh ’s a’ cheann; ach bha lag nan sùl air a chladhach ann, gu domhain mìn, a chum agus gu ’m b’ urrainn do dhuine a shùilean a chur ris na lagan. Bha ’n t-sròn ach beag air a caitheamh dheth, agus cha robh na bilean cho làn ’s a bha iad aig aon àm. B’ e an t-aobhar dha so, gu ’n robh sluagh a’ trusadh ás gach ceàrn de ’n dùthaich, aig faidhir mhòr Féill Fhaolain, gu bhi air an slànuchadh. Bha am margadh bliadhnail so air a ghleidheadh air a’ cheathramh latha de cheud mhìos na bliadhna. B’ àbhaist do Dhonnachadh Mac An-t-Saoir, am muillear, na clachan a ghiùlan a mach, ’s an leagail làimh ris an eas, fo gheugan na sean chraoibh leamhain. Nigheadh a’ mhuinntir euslan iad fhéin an uisg’ an easain, thogadh iad a’ chlach a bha co-chòrdadh ris a’ bhall ’s an robh an eucail, agus shuathadh iad am ball leis a’ chloich gus am fàsadh e teth, agus bha iad a’ cumail na cloiche fliuch leis an uisge. Bha sgàile geugan na craoibhe air a mheas mar ni a bha toirt cuideachadh mòr do éifeachd nan clach ann a bhi leigheas gach cneadh is galar. Mar sin bha na b’ urrainn àit’ fhaotainn, a’ seasamh fo ’n chraoibh. Am feadh a bhiodh an sluagh a’ dol air aghart air an dòigh so, sguabadh Donnachadh còir an oisinn a mach; sgaoileadh e boitean connlaich air an ùrlar, ag ràdh le snodha-gàire;—“Co-dhiù tha math ’s na clachan no nach ’eil, cha mhisd’ iad leaba ghlan uair ’s a’ bhliadhna!” Thugadh an leughadair fainear an so do thrì nithe;—’S iad sin, gu ’n robh an leigheas air a thoirt gu crìch, an dà chuid aig Cill-Fhinn agus an Srath-Fhaolain (Logierait) trìd an uisge agus clach air a fliuchadh leis an uisge sheunta.—Gu ’n robh, a’ bharrachd air sin, sgàile na craoibhe, aig Cill-Fhinn. Agus, a rithis, gu ’n robh, mar is trice, Cromleac, no Clachan, [TD 147] no creagan mòra agus na tobraichean comh-cheangailte ri chéile. Tha aig baile Chìthich, mar a chunnaic sinn, agus dlùth air an tobar sheunta an Srath na h-Apunn, clachan mòra fathast ’n an seasamh; (cha’n’eil ach aon ’n a seasamh, aig an Lic, diubh-san a bha ’n Ard-nan-Clach.)— “A nis,” arsa Gomme, “tha luchd-turuis a’ toirt fianuis gu’m bheil na ceart dheas-ghnàthan cumanta o ’n ear gus an iar an Africa; agus an ceàrnan àraidh de na h-Innsean. Gheibhear ann an aon àite ’am Persia, làimh ri tobar seunta, clach mhòr ’n a seasamh, agus craobh còmhdaichte le biteagan aodaich. Aig Darjeeling, ’s na h-Innsean, dlùth air Tibet, tha’n tobar air a chuartachadh,—mar an Eirìnn,—le càrnan chlach. A nis,” arsa Gomme a rithis, “tha ’n t-aoradh so a mhàin far am faighear na colbhan mòra cloiche ’n an seasamh,” agus tha iad sin “’g ar toirt air ais gu linntean agus gu pobull a thainig air thoiseach air na h-Airigheanaich,”—an stoc ás an d’thàinig na Gàidheil,—“agus tha e uile choltach, gu’n do sgaoil an cinneach sin thairis air gach ceàrn ’s an t-saoghal ’s am faighear na tobraichean, na Clachain, agus tabhartais chriomagain aodaich air na preasan mu’n timchioll. Agus a thuilleadh air sin uile, ’s ann an dùthaich nan Cruithneach an Albainn ’is dealbhaiche, ’s ’is teinne a tha na sean ghnàthan ri fhaotainn, agus ’s ann ’is motha ’tha iad air an cumail suas gus an là-diugh. Is i so an dùthaich far an d’fhuair Calum Cille tobar a bha iomraiteach am measg a’ chinnich bhuirb sin. Bheannaich Calum Cille an tobar; agus ’n a uisge fhuair e buaidh thairis air na Draoidhean, agus chuir e gu amhluadh iad, oir o’n latha sin chuireadh sgaradh eadar na deamhain agus na h-uisgeachan.” Mar sin tha sinn a’ faicinn gu’m bheil easan tobar Fhaolainn ’n a chuimhneachan duinn air aoradh nan tobraichean seunta, a ghnàthaicheadh le ’r sinnsear borb; air linntean nan Cuilteach a chraobh-sgaoil an Soisgeul thairis air Albainn, agus earrann de thaobh-tuath Shasuinn; agus air a’ phàpanachd [TD 148] sin a stéidhich ban-rìghinn Mairearad air an deagh bhunait a leagadh le Calum Cille; oir tha na clacha-leighis dorcha grìs-fhionn comh-cheangailte ri Donnachadh Dubh a’ churraic, agus r’ a linn. Cha’n ionann idir daibh agus na buill bheaga de chéir a chithear air a’ bhalla anns na h-eaglaisean pàpanach; agus a tha air an cur an sin mar fhianuisean air taingealachd nam muinntir a chaidh a leigheas. Faodaidh mi eisimpleir no dhà thoirt, mar chomhdhùnadh, air leigheasan sonruichte eile, a leigeas ris nach ’eil an saobh-chreideamh air a thilgeadh bun os cionn cho buileach ’s a shaoileamaid; agus nach ’eil spiorad na muinghinn ann an Dia ar n-athair air còmhnuidh fhaotainn ’n ar cridhe mar bu chòir dha. Na ’m bitheadh, thilgeadh e na nithe sin uile a mach. Cha ’n ’eil a bheag thairis air fichead bliadhna o’n a chaochail sean bhoirionnach a bha ’fuireach dlùth air a’ Chaisteal Ruadh. Bha muinntir na dùthcha dol a ghnàth ’s gun tàmh g’ a h-ionnsuidh mu rud no rudeiginn, a chionn dh’ fhàs i mu dheireadh tuilleadh ’s breòite gu dol ás a tigh fhéin g’ am faicinn. ’S coltach gu ’n robh i de shliochd luchd nan geasan, ’s nan seuntan; ged a bha na h-ubagan aice-se air mhodh,—agus an cainnt co-dhiù,—a réir a’ chreidimh Chrìosdail. Rachadh mnathan g’a h-ionnsuidh aig am biodh clann bhòidheach air son seun an aghaidh beum-sùla; air eagal gu ’n crìonadh an leanabh air falbh; no gu ’n tigeadh dochann ’sam bith air. Na ’m faigheadh neach siachadh, rachadh a thoirt a dh’ ionnsuidh a’ bhoirionnaich so. Shuathadh i an t-alt a bh’air a shiachadh, le a làimh a dol thairis air rannan a thòisich leis na briathran so:— Thuit Crìosd dheth ’n asail ’s bhrùth e ’chas; Mar ’shlànuich sid gu ’n shlànuich so. Ma bha e neo-chomasach an neach a thoirt far an robh i, ghabhadh i snàithne gorm olainn—theireadh cuid gu ’n deanadh snàithne ’sam bith an gnothach, ach e ’bhi gorm—agus thoinneadh i e ’s chuireadh i car is car dheth ag ràdh [TD 149] nan rannan thairis air. Bha ’n snàthainn air a cheangal mu ’n alt shiachte, agus air a mheas mar leigheas cinnteach. An uair a bhiodh ni ceàrr mu chridhe neach, bha e air a shaoilsinn gu’n d’ thug clisgeadh, no aobhar de ’n t-seòrsa, air a chridhe leum ás ’àite; agus dh’ fheumadh e bhi air a chur air ais. B’ ann tràth ’s a’ mhaduinn a bhatar a’ dol mu ’n ghnothach, Cha bhiodh éifeachd ann mur rachadh duine ’n a chinnseal cho luadh ’s a dh’ éireadh e. Ghabhadh am boirionnach soitheach le uisg’ ann. Leaghadh i cnap luaidh mu mheudachd ubh calmain, agus dhòirteadh i ’n luaidh goileach anns an uisge. Bheireadh an luaidh spreadhadh ás air dha tuiteam ’s an uisge, agus ghabhadh e dealbh éiginn air màs an t-soithich. Na’ n gabhadh e dealbh cridhe, bha e air a mheas gu’ n do leum an cridhe air ais d’ a àite a’ mhionaid a thug an luaidh an spreadhadh ás, agus bhiodh na h-uile ni gu math. Ach mur gabhadh an luaidh an dealbh sin, bha e air a leaghadh thairis is thairis gus an gabhadh e ’n dealbh ceart. An uair a bha a’ bhean so air leabaidh a bàis, cha b urrainn di a buaidhean leighis a thoirt seachad do bhoirionnach eile. Thug i seachad an cumhachd do dhuine crùbach, aig nach robh lùth ’s na casan. Cha ’n aithne dhomh co-dhiù a tha no nach ’eil e beò fhathast. Bha buaidhean de ’n t-seòrsa so comh-cheangailte riù-san a bha ’g an gnàthachadh. Bha, air an làimh eile, leigheasan a bha comh-cheangailte ris an teine, agus ris a’ chagailt, agus dh’ fhaodadh neach air bith a bhiodh aig làimh an gnàthachadh. Tha sin a’ ciallachadh, gu ’n robh an éifeachd ’s an teine, ’s cha b’ ann ’s an neach a bha cur an leighis ris an euslàinteach. Cha ’n ’eil teagamh nach b’ e ’n t-aobhar air sin, gu ’n robh an teine air ùr-lasadh air gach latha Bealtuinn o theine coisrigte nan Draoidh. Cha ’n ’eil tuilleadh àite gu leudachadh air a chùis an so, ach tha am beagan a tha air a thoirt seachad a’ leigeadh ris ciod i an seòrsa carraig ás an deachaidh na h-Albannaich a chladhach. [TD 150] DUILLEAG A LINN MO SHEANAMHAR. GACH PUNG MAR A DH’ INNSEADH LEATHA FHÉIN. “Tha mo shùil air linnte ’dh’ aom, Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann; Mar dheàrrsa na gealaich ’tha faoin Air linne ’tha claon ’s a’ ghleann.” RUGADH mi ’s a’ bhliadhna 1774, ’am Barr-fhaiche-réidh-thuil, baile beag ann an Latharn-ìochdrach. Bhuineadh m’ athair do shliochd Mhic Caluim *Cholagainn sin mu ’n d’ thuirt Ban-tighearna Dhunola, air di a dhà-mhac-dheug fhaicinn a’ dol a stigh ’n an sreud do eaglais Chille Brìghde. “Cha b’ uilear do Mhac Calum Cholagainn trian a dh’ Albainn.” Bu nighean do aon de Mhic-an-Aba Bharachastalain ’an Gleann Urachaidh mo mhàthair. An déigh Bliadhna Theàrlaich rinn a pàrantan imrich do Latharn-ìochdrach. Air an dòigh sin choinnich i fhéin agus m’ athair. Bha mo mhàthair toigheach air innseadh gu ’n robh na daoine o ’n d’ thàinig i fad seachd ceud bliadhna air an aon * Faic an seann sgeul aig deireadh an leabhair, “Cloinn Chalum Cholagainn.’ [TD 151] làraich, am mac a’ suidhe ’an àit’ an athar, mar fhear-deanaimh àrm; agus nach robh àirm na b’ fheàrr ri fhaotainn ’s an dùthaich na bha na claidhmhnean, ’s na biodagan a rinneadh le a sinnsear. Bha mòran de bhàrdachd Oisein aig bràthair-athar di. Bha iad sgrìobht’ aige, agus b’ àbhaist da an aithris dhaibh-san a bha déidheil air éisdeachd riù. Bha dà bhràthair-athar di fathast ’s an t-sean dachaidh. Bha e air aithris am measg an t-sluaigh gu ’n tuiteadh sean chraobh, a bha mu choinneamh dorus na ceàrdaich, an latha ’shiubhladh am fear mu dheireadh de chloinn an Aba ’bhiodh fad a bheatha air an t-sean làraich. Agus thachair sin aig deireadh na linn. Air an oidhche ’s an do chaochail am fear mu dheireadh dhiubh, dh’ éirich stoirm mhór; agus anns a’ mhaduinn fhuaradh a’ chraobh ’n a sìneadh air an làr. Dh’ fhàg iad an t-àite o’n àm sin. Bha ni eile ’bu taitneach leinn a chluinntinn mu shinnsear mo mhàthar. B’e sin, gu ’m bu nighean do Alastair Stiùbhard, de theaghlach Ardseile, a bha ’n a màthair-se. B’e Alastair Nòtair a theireadh iad ris. Bha e ’n a dhuine ainmeil air son géiread inntinn, agus ’ealdhain mar fhear lagh. An déigh do ’n achd tighinn a mach an agháidh a’ bhreacain, b’ i cùbhrainn bhàn a bhiodh e ’caitheamh. An uair a chaidh e do Bhunatha ’an 1752 (a’ bhliadhna ’s an d’ fhuiling Seumas a’ Ghlinne), a sgrìobhadh nam pàipeirean, air do aont’ ùr a bhi air a ghabhail de ’n Obair-iaruinn, shaoil leis na Sasunnaich a bha ’n sin, an uair a chunnaic iad e ’n a dheise chùbhrainn, nach robh ann ach duine suarach. Cha b’ fhada bha e leigeadh ris daibh gu ’n robh aithne aige air a ghnothach. ’S iomadh naigheachd iongantach a bh’ air aithris mu Alastair Nòtair, ach cha ’n ’eil àit’ ann daibh uile ’n so. An déigh do Alastair tighinn a mach mar fhear-lagh, chaidh e turus do ’n Eadailt. ’S e theirteadh am measg an t-sluaigh, gu ’n robh e ’s an sgoil-dubh; agus gu ’n d’ fharraid an droch-fhear deth,—“Cò [TD 152] dhiùbh a roghnaicheas tu ealdhain gun rath; no rath gun ealdhain?” Fhreagair Alastair, “Thoir dhomh-sa ’n ealdhain, ’s biodh an rath mar a thoilicheas e.” Agus cha do shoirbhich leis, ealanta ged a bha e. Thàinig duine g’a ionnsuidh aig aon àm, ag iarraidh gu ’n gabhadh e a chùis os làimh aig a’ chùirt. Bha e air a chur ás a leth gu ’n do ghoid e each. Air dha so innseadh do Alastair, agus a ràdh gu ’n robh e ’n dòchas gu ’m faigheadh e dheth e, dh’ fheòraich Alastair,—“Ach an do ghoid thu ’n t-each?” “Ghoid,” ars’ an duine. “’S ciamar a tha fiughair agad gu ’m faigh mi dheth thu, ’s thu ciontach?” ars’ Alastair. “Cha ’n fhios domh ciamar a nì sibh e, ach ’s i mo bheachd gu ’n téid agaibh air a dheanamh.” Air latha na cùirte, an uair a thugadh na fianuisean an làthair, cha robh ach aon duine ’n am measg a chunnaic a’ mhèirle air a cur an gnìomh. An uair a bha esan dol a thoirt a mhionnan, air an Leabhar, ars’ Alastair:— “Stad ort! Am bheil thu de ’n chreidimh chatharra?” “Cha ’n ’eil,” fhreagair an duine. “Uh, matà, tha e ’n aghaidh an lagh d’ fhianuis-sa ghabhail.” Air do ’n fhianuis so a bhi air a chur ’n a thosd, bha e furasd am mèirleach fhaighinn deth. B’ ann an Gleann Eite ’bha Alastair a’ fuireach. Bha breacan mór aige le pòca ann. An uair a thigeadh caraid d’ an robh fàbhar sonraicht’ aige sgaoileadh e ’m breacan so thairis air ’s an oidhche. Phòsadh a nighean,—’s i sin mo shean-mhàthair,—ri Mac-an-Aba, an uair a bha i ceithir-bliadhn-deug. Bhiodh a’ chaileag a’ ruith dhachaidh do Ghleann Eite na h-uile cothrom a gheibheadh i. Cha robh so a’ taitinn ris an duin’ aice. Mu dheireadh thuirt e nach cuireadh e suas na b’ fhaide le i bhi ruith dhachaidh cho tric, agus thug e ’n làthair a mhinisteir i, [TD 153] a chum dealachadh a chur eatorra. Chaidh am ministeir troimh ’n chùis mar bu dligheach, agus aig a dheireadh thuirt e ri Mac-an-Aba,—a’ seòladh an doruis dha,—“Théid thusa mach air an dorus sin, agus,”—thuirt e ris a’ chaileig, a’ seòladh an doruis aig ceann eile na h-eaglais,—“théid thusa mach air an dorus sin eile, a’ leigeil ris gu ’m bheil sibh a’ cur cùl ri chéile.” Cha do thuig a’ chaileag gus a sin ciod a bha na h-uile ni a chaidhtear troimh a’ ciallachadh. Thionndaidh i air a sàil; lean i an duin’ aice ás an eaglais, agus cha d’ thug i tuilleadh aobhair gearain da. B’ àbhaist di bhi ’s an dreallaig le a clann. B’e tàillear a bh’ ann am athair. Cha robh an t-achd an aghaidh a’ bhreacain fathast air a chur air cùl an uair a rugadh mi. An uair a rachadh e, mar bu choitcheann leis na tàilleirean ’s an àm, gu tighean nan tuathanach gu aodach an teaghlaich a dheanamh, gheibheadh e seachd sgillinn ’s an latha mar a thuarasdal, a thuilleadh air a bhòrd. Rachadh an t-suim sin mòran na b’ fhaide an sin na ni e nis. Cha b’ e mhàin aodach nam fear a bh’ aig an tàillear ri dheanamh, ach léintean caola, agus aodach nam ban-uasal. Bha meas air na tàillearan. Thigeadh eige de chlò, agus eige de lìon-aodach a stigh còmhla do ’n tigh againn. Ach fhuair mo mhàthair ionnsachadh nach robh cumanta ’s na làithean sin. Bha i ùine mhór le piuthar-màthar di, a fhuair deagh fhoghlum ann an Dùnéideann. B’ urrainn di léintean caol a ghearradh agus fhuaigheal, agus iomadh obair a thuilleadh nach rachadh aig mnathan a’ bhaile againn air a dheanamh. Cho luath ’s a thigeadh dà eige a stigh mar sin, ghleidheadh m’ athair an clò, agus bheireadh e ’n lìon-aodach do m’ mhàthair. Bha esan gu math dheth, oir bha ’n dà obair a’ dol air aghart aig an aon àm. [TD 154] Cha robh cottan ann ’s na làithean sin, no Muillnean-fighidh, mar sin bha na mnathan trang, a dh’ oidhche ’s de latha, ri calanas. Dh’ fhoghlum mo mhàthair snìomh leis a’ chuibhil mhóir ’s leis a’ chuibhil bhig. Bha ’n té bheag air son snàth nam plaideachan agus a’ chlò agus gach uile aodach cumanta. Bha a’ chuibheal mhór air son an lìn, agus snàth grinn caol an tèamain. Rinn sinn snàth fuaighil mar an ceudna oirre. B’e aodach grinn, cruaidh a bh’ anns an tèamain; a bh’ air a dheanamh de ’n olann a b’ fhaide ’s a b’ fheàrr. Bha aodach uachdair nam ban agus cleòcaichean nam fear air an deanamh dheth. Oir ’s fheudar a thuigsinn nach robh e dligheach breacan a chaitheamh ’s na làithean sin:— “Deich bliadhna fichead is còrr Bha casag de ’n chlò m’ ar druim, Fhuair sinn ad agus cleòc, ’S cha bhuineadh an seòrs’ ud dhuinn. **** Mhill e pàirt d’ ar cumachd O ’n bhlàr gu mullach a’ chinn; Bha sinn cho làn de mhulad ’S gu ’n d’ fhàs gach duine gu tinn.” An uair a rachadh an tèamain a chur do ’n Ghalldachd gu snas a chur air, theirteadh caimleid ris. Bha aon obair eile a b’ fheudar do m’ mhàthair a ghabhail os làimh gu tric air son nam ban-tighe, agus b’ e sin gealachadh an lìn. Cha ’n aithne do mhnathan an là-diugh gu ’m bheil iad beò, seach mar a b’ àbhaist duinn a bhi ag obair ’s na làithean sin. ——— Bha sèa-teaghlaich-dheug air tuineachadh ’s a’ bhaile bheag againn. Cha robh cèird a bha coitcheann ’s an àm nach robh ri fhaotainn am measg nam fear, mar sin, bha gu leòir aig na mnathan r’ a dheanamh anns gach seadh ’s an gabhar am facal. [TD 155] Gu ruige so, cha robh an sean chaithe-beatha a bh’ aig ar sinnsear air a bhriseadh suas; a chionn cha robh làmh throm an dìoghaltais air a leagadh air muinntir an àit’ againne mar a bha i air an Apuinn ’s air àitean eile mu ’n cuairt, far an d’ éirich an sluagh leis a’ Phrionnsa. ’S an t-Samhradh bha ’n fheudail a’ dol air àirigh, agus bha sinn a’ tighinn beò, ’s a chuid a bu mhodha, air bainne. Bha brochan bainne ’s brochan mìg againn an àite brochan bùirn. Bha ìm is càise ’g an deanamh mar chuid de stòr a’ Gheamhraidh. Bhiodh gruidheam againn mar annas, agus bha gu leòir de mhèag ’s de bhainne-goirt ann ri òl. Am bainne, anns gach dòigh air an gabhadh e còcaireachd; uibhean, agus iasg; b’ iad sin, le aran-coirce no aran eòrna air a mheasgadh le beagan min-pheasrach, ar lòn ’s an t-Samhradh. Bha beagan chaorach againn mar an ceudna. Fhreagradh a h-uile caora d’ a h-ainm, mar a ni ’n crodh. Bha sinn am feum an cur ’s a’ chrò gach feasgar; agus b’ fheudar gabhail gu math aig dorsan nan tighean a mach; oir, ged a bha tuilleadh is deich-bliadhna-fichead o ’n a chaidh am madadh-alluidh mu dheireadh a mharbhadh, bha sionnaich ’s cait-fhiadhaich ann gu leòir, agus mo thruaigh na cearcan ’s na h-uain mur rachadh sealltainn ás an déigh mar bu chòir. An déigh tighinn dachaidh o ’n àirigh, no uaireiginn mu dheireadh an fhoghair, bha mòran aig an robh a’ chleachduinn fuil a thoirt ás a’ chrodh. Theireadh iad nach bu mhisd an crodh so idir, air daibh a bhi reachdmhor an déigh an deagh bhliadhnachadh. Bha ’n fhuil air a bruich, air a sailleadh ann am measair, agus air a cur seachad air son aindeal-geamhraidh. An uair a bhiodh feum oirre rachadh meall a chur ’am poit, le geir, agus uinneinean, agus bha ’m biadh so air itheadh le aran mar gu ’n robh ann marag-dhubh. Bha sinn dlùth air an loch ’s air an abhainn: cha robh dìth oirnn a thaobh sgadain no bradain. Cha robh bacadh air iasgach na h-aibhne, agus is bitheanta chaidh mo bhràithrean a mach ’s an oidhche le leus is muirgheadh a ghlacadh a’ [TD 156] bhradain. Bha mi air mo chur air mo chois tràth ’s a’ mhaduinn, aon uair, a dh’ fhaicinn a’ bhradain àillidh a ghlac iad. Thomhais iad rium e, agus, le ’uraball air an ùrlar, ruig a shròn mo smig; ’s bha mi aig an àm cho mór ’s a bhithinn. Ach b’ iasg air leth briagh ’bha ’s an fhear sin. Bha fhios aca gu ’n robh e ’s an linne, ach dh’ fhairslich orra greim fhaighinn air gus an oidhche sin, agus chum iad air gus an d’ fhuair iad e. ’S an linne gu h-ìosal fo ’n Tigh-mhór, bha lìon air a chur, le sreang ris, a bha ceangailte aig a cheann eile ri clag a bha ’s an tigh. Cho luath ’s a bhuaileadh an clag, bha fhios aca gu ’n robh bradan ’s an lìon. Bha ’n sgadan cho lìonmhor aon bhliadhna gu ’n do chuireadh e mar leasachadh air an talamh. Cha do thill e fad iomadh bliadhna ’na dhéigh sin, agus thuirt muinntir an àite gur e breitheanas a thàinig orra a chionn am biadh math a mhilleadh. Cha robh am buntàta air fàs cumanta fathast. ’S i aon chraidhleag deth a bh’ air a chur air an fharadh, gu a chur an àm an Earraich. Ach bha daonnan am pailteas de chàl ’s a’ ghàradh, agus feuran, is uinneinean. Bha sgoil Ghàidhlig air a fosgladh dlùth oirnn, agus fhuair mise aon leth-bhliadhna innte; nì nach robh ro thric air a cheadachadh do chaileagan. Ach bu mhi an aon nighean ’s an teaghlach, agus an dara aon a b’ òige, agus leigeadh leam dol do ’n sgoil le m’ dhà bhràthair a b’ òige. Bha ’n Tiomnadh Nuadh air a chur a mach cheana, anns a’ bhliadhna 1767, ach ’s e ’m Bìoball Eireannach a bha fathast air a leughadh ás a’ chrannaig air an t-Sàbaid. Bha ’n Seann Tiomnadh ’g a eadar-theangachadh aig an àm so, le mac an Stiùbhardaich sin a dh’ eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh (an t-Urr. Seumas Stiùbhard Chill-Fhinn) agus leis an Urr. Iain Mac-a-Ghobhainn, Chinntìre, ach bha iomadh latha fathast ri dol seachad mu ’n robh am Bìoball Gàidhlig againn o cheann gu ceann. B’ ann ’s a’ bhliadhna 1801 a bha e deas, ullamh, ach bha e daor fathast ri cheannach. [TD 157] Cha robh sinn gun Bhìoball ’s an tigh air a shon sin uile. Chaidh Donnachadh, mo bhràthair a bu shine, do ’n Ghalldachd, thun na buana, agus thug e dhachaidh fear Beurla. Bha e air a’ Bheurla ’thogail cho math gu ’m b’ urrainn da am Bìoball Beurla ’leughadh ’s a’ Ghàidhlig dhuinn, agus mur an robh an ròic againne air na h-oidhchean geamhraidh, timchioll an teine ag éisdeachd ris. Tha leam nach bu chòir do na Gàidheil gu bràth a leigeil air dì-chuimhn’ an tùrn math a rinn an Sasunnach mòr, an t-Ollamh Mac Iain air ar son a thaobh nan Sgriobturan. Chual’ an t-Ollamh, o Albannach air an do chuir e eòlas, gu ’n robh an Comunn air son Craobh-sgaoilidh Eòlas Chrìosdail, ann an Dunéideann, ’an teagamh am biodh e tèaruinte no dligheach na Sgriobturan a thoirt do na Gàidheil ’n an teangaidh fhéin. Air so a chluinntinn chuir an t-Ollamh litir a dh’ ionnsuidh a’ Chomuinn a chuir gu nàire iad. Dh’ aidich iad cho ceàrr agus cho geàrr-sheallach ’s a bha ’n smuaint aca; leig iad leis an Urr. Seumas Stiùbhard dol air aghart leis an eadar-theangachadh, agus phàigh iad gach costas m ’a thimchioll. ’S iomadh rud neònach a thachair ’s na bliadhnachan sin, air am bheil cuimhn’ agam fathast:— Bha leanabh òg aig ban-choimhearsnaich duinn, agus thàinig bean tuathanaich g’ a faicinn. As a déigh thàinig a searbhanta a’ giùlan cuach mhór a bha, a réir coltais, làn ime. Bha cearc, nach robh air a spìonadh, aice mar an ceudna. Thàinig a’ bhan-tuathanach a stigh le mòrchuis, ag ràdh:—“An uair a thig mise, thig mì.” ’N uair a chaidh an t-ìm a thoirt ás a’ chuaich, cha robh ann ach leac tana dheth a’ snàmh air uachdar uisge. Ghabh an té ’bha ’s an leabaidh cothrom gu smèideadh air a piuthair, agus chuir i cagar ’n a cluais. Dh’ fhalbh a piuthar agus spìon i ’chearc; chuir i cuid de ’n ìm ann am poit, ’s chuir i air a’ chearc gu pongail. Cho luath ’s a bha ’chearc deas, chuir i sìos air a’ bhòrd i le aran, [TD 158] agus bainne, agus a’ chuid a bh’ air fhàgail de ’n ìm; agus dh’ iarr i air a’ bhan-tuathanach suidhe stigh. Ghabh a’ bhean a leòir, agus cha robh a bheag de dh’ fhuigheal air fhàgail. Air di dol a ghabhail cead do bhean-an-tighe, thuirt bean-an-tighe rithe,—“A nis, an uair a thig thu, thig thù, ’s an uair a dh’ fhalbhas tu falbhaidh tu,” agus thug i sùil an taobh a bha ’m bòrd. Cha robh feum air tuilleadh a ràdh. Thachair rud eile mu ’n àm sin a thug aobhar bruidhne do na mnathan. Bhiodh daonnan iomaguin air muinntir leanabh òg fhaighinn air a bhaisteadh cho luath ’s a bha e comasach, air eagal gu ’n tigeadh dad ris mu ’n robh e air a bhaisteadh. Chaidh dithis bhoirionnach le naoidhean ban-choimhearsnaich a dh’ ionnsuidh a’ mhinisteir, agus fhuair iad air a bhaisteadh e. Air an rathad a’ tilleadh, sheas iad làimh ri allt gu an aodach a sgioblachadh. Chuir an té aig an robh am pàisd air an fheur e, air bruach an uillt, far an robh an sruth domhain, bras. Thòisich na boirionnaich air clabhus, agus ’dé rinn iad ach dol air an aghaidh air an rathad agus am pàisd fhàgail far an robh e. Bha iad cho leagt’ air an rud air an robh iad a’ bruidhinn gu ’n robh iad a stigh an tigh màthair an leinibh mu ’n d’ thug iad an aire mar a bha. ’S ann an uair a dh’ fheòraich ise air son an leinibh a thàinig iad gu mothachadh “O, nach mi ’n òinseach!” ghlaodh an té a bha ’g a ghiùlan, “dh’ fhàg mi e taobh an uillt!” agus thionndaidh an dithis ’s ruith iad cho luath ’s a bheireadh an casan iad an rathad a bha ’m pàisd. Ach bha h-aon a ruig an t-àite ’s an robh e mu ’m b’ urrainn daibh tighinn mar astar da, ’s b’ i sin, a mhàthair. Spiol i o ’n bhruaich e, ghiùlain i dhachaidh e, ’s cha do leig i leis na gleòsgaidean corag a chur air tuilleadh. Bha mi nis air tighinn gu aois gu ’n robh mi air mo chuireadh gus na h-uile cuideachd aig am biodh càch; agus glé bhitheanta ’n uair a bha banais ann, bu mhi màighdean bean-na-bainnse. [TD 159] Aig cuirm àraidh, bha nighean agus gille a bh’ air an cur làimh ri chéile aig a’ bhòrd. Bha ’n gille, mar bu dual, a’ coiteachadh na h-inghine gu tuilleadh a ghabhail. “Tàing dhuit, ach cha ’n ’eil tuilleadh a dhìth orm,” ars’ ise, “bha mi ’piocadh sgiath riabhaig mu ’n d’ fhàg mi ’n tigh.” “Tha mi ’faicinn sin,” fhreagair esan, “tha té de na h-iteagan air do bhroilleach.” Sheall an nighean air a broilleach, is ciod a bha ’n sin cha fuigheal beag de bhruthaiste-pheasrach. Bhrath sin i. Bha e ’n a chleachdainn ’s a’ Ghàidhealtachd an uair a bha mis’ òg, gu ’n rachadh cuideachd na bainnse do ’n t-seòmar-chadail le fear na bainnse gu ’fhaicinn a laidhe. Bha aig a’ mhàighdinn ri bean na bainnse chur a laidhe ’n toiseach; ach cha robh a’ bhanais ceart thairis gus an d’ thàinig a’ chuideachd leis an duin’ òg. Bha aon bhanais far an robh mi ’m mhàighdinn, agus, air do na h-aoidhean tighinn mar a b’ àbhaist le fear na bainnse, cha robh fhios aige c’ àit’ an sealladh e, bha e cho sgàthach. Shuidh e air beinge na leapach, is dh’ amhairc e thall, ’s dh’ amhairc e bhos, ach tuilleadh cha dùraigeadh e ’dheanamh. Mu dheireadh, thrus e ’fheile-beag gu giobach m’ a chasan, ’s chuip e stigh fo na plaideachan mar a bha e mu ’n robh fhios againn ciod a bha ri tachairt. Aig banais eile, ’n uair a thàinig e gu sin deth, ’s a chaidh fear na bainnse ’laidhe, sgrios e ’léine thar mullach a chinn, thrus e ri chéil’ i eadar a dhà làimh, agus thilg e ’n teis-meadhon na cuideachd i. Thug am fear so uibhir àbhachdais dhuinn ’s a thug am fear eile. Fad na h-ùine so bha atharrachadh mór a’ tighinn thairis air an dùthaich air fad. Cha robh Ceann-cinnidh ann ri amharc suas ris; bha còraichean an riaghlaidh air an toirt uapa air fad; cha robh iad a’ suidhe air cathair a’ bhreitheanais; cha robh binn beatha no bàis aca ’n an làimh na ’s mò. Bha sinn suidhichte air bunait eile nis; bha sinn, mu dheireadh thall, mar a’ chuid eile de ’n rìoghachd, ’s air ar filleadh a stigh ann. [TD 160] ’S beag a shaoil Teàrlach, an uair a thog e ’bhratach ann an Gleann-fionain, gu ’n d’ thàinig e ’chur taod air ceann nan Gàidheal. Seadh, gu ’m b’ e fhéin cas na tuaigh sin a sgudadh sìos gu làr sean nòs agus oilean ar cinneach. Cha robh fios aige-san no aig Diùc Uilleam air sin; ach ’s ann mar sin a thionndaidh a’ chùis a mach. Bha aon ni a thug mothachadh dhuinn air a’ chaochladh a bha a’ tighinn uidh-air-’n-uidh thairis air ar cor. Chaidh riaghladh nan uachdaran a bhriseadh, ach bha “Commission” air a thoirt daibh gu feachd-dìon a thogail anns gach ceàrn; agus is iomadh mac màthar a chaidh a thoirt uainn, ’s a dh’ fhàg àite falamh aig bòrd an teaghlaich. Bha cogaidhean a’ dol air aghart an America, ’s anns na h-Innsean, ’s bha feum air fir. Fhuaradh fios leinn air latha àraidh gu ’n robh am “Pressgang” air an rathad a’ tighinn. Bha mnathan Bharr-fhaiche-réidh-thuil am bitheantas beusach modhail, ach an uair a chualas an t-iomradh so, ghabh iad ceannas air na fir. Chuir iad gach fear, a thàinig gu aois a rinn buailteach e gu bhi air a ghlacadh, air falbh cùl a’ mhonaidh do ’n àite-mhòine ás an rathad. An uair a ruig am “Pressgang” Barr-fhaiche-réidh-thuil cha robh ri fhaotainn ann ach mnathan is clann. Rinn na mnathan tàir air na daoine ’s ghabh iad daibh leis na clodan; agus a chionn nach robh math ùine ’chosd ri dol a shireadh nam fear am measg nam bruthaichean, dh’ fhalbh am “Pressgang” mar a thàinig e. Air a mhodh so cha d’ fhuair na luingis-chogaidh aon duin’ á Barr-fhaiche-réidh-thuil. Bha na ceathrar bhràithrean a bu shine na mise air cèirdean ionnsachadh, agus bha iad air togail a mach gu deanamh air an son fhéin. B’ e fear diubh a thog an caibeal mu uaigh Iain Chiair, anns a’ bhliadhna 1786. Ghabh fear diubh fearann, agus lean e ris gus an do chaochail e ’n a shean duine. [TD 161] An uair nach robh ach am fear a b’ òige agus mise aig an tigh, thàinig e fodham gu ’m bu ghasd’ an saoghal fhaicinn, agus mo rathad fhéin a dheanamh am measg dream eile. Cha robh dòigh air ruigheachd air sin ach trìd àite ’ghabhail ann an teaghlach air a’ Ghalldachd, Cha do chuir mo mhàthair ’am aghaidh; mar sin, cho luath ’s a fhuair mi brath air àite math, an tigh duine chothromaich, a bha iomraiteach ’s an dùthaich, ’s a bha aig an àm a’ fuireach mar ochd mìle do Ghlascho, ghabh mi ’n t-àite. Bha nighean Ghàidhealach eile ri bhi leam, agus bha sin taitneach. Bha ar maighstir comharraichte air son a bhi fialaidh, caoimhneil. Cheasnaich e ’n dà chaileig Ghàidhealach gu mion mu ’n sgoil; mu ’n obair a bha sinn cleachdta ris, mu ar caithe-beatha anns gach dòigh. Bha e riaraichte leis na freagairtean a thug sinn, agus ro-thoilichte leis na dh’ innis mise dha mu ’n sgoil againn, agus nitheanan eile de ’n t-seòrsa. Chuir e air leth earrann de ’n dail lìn air ar son ’n ar dithis, gu bhi againn dhuinn fhéin, agus fhuair sinn ùine gus an lìon oibreachadh o thoiseach gu deireadh, gus an robh e deas air son an fhigheadair. Cha robh aig ar ban-mhaighstir làmh cho fosgailteach ri làmh an duin’ aice. Bha sinn trang ris a’ mhuidhe, aon latha, an uair a thàinig dìol-déirce stigh; agus dh’ iarr e beagan a thoirt da ás a’ mhuidhe. A nis, bha ’n t-uachdar air at leis an oibreachadh, cha bhiodh call ann ged a gheibheadh an duine làn-soithich ás. Ach an toireadh a’ bhean-uasal cead a thoirt seachad? ’S ise nach tugadh air chor ’sam bith. Dh’ fhalbh an duine mach a’ borbhanaich ris fhéin gu neo-thoilichte; ’s ged a bhitheamaid ag obair air a’ mhuidhe sin gus an diugh, saoil an tigeadh ìm air? Cha tigeadh, ’s cha d’ thàinig. Ni mò thàinig e air an ath mhuidhe, no am muidhe ’na dhéigh sin. Ciod a bha ri ’dheanamh? Mu dheireadh thuirt mi ri mo bhan-mhaighstir:—“Ma bheir sibh cead dhomh, bheir mis’ air ais an toradh dhuibh.” [TD 162] “Nach ’eil fios gu ’n leig mi leat, ma ’s aithne dhuit a dheanamh,” fhreagair i. Dh’ fhalbh mi mach is fhuair mi slatag chaorainn. Rinn mi cearcall dhi, agus ’an leigeil a’ chruidh chuir mi ’m bainne troimh ’n chearcall. An deanamh a’ mhuidhe air an t-seachduin sin, air dhomh an t-uachdar oibreachadh gus an d’ at e, thug mi na bha dhìth orra do na h-uile duine mu ’m thimchioll. Thàinig de ìm air a’ mhuidhe sin gu ’n d’ thuirt mo bhan-mhaighstir, an uair a chaidh mi g’ a leigeadh fhaicinn dith, ’s i togail a dà làimh le ioghnadh; “Go away with it! Go away with it!” ’S ann a chuir e oillt oirre. Cha robh mi buidheach idir di a thaobh facal a thuirt i umam aig aon àm, an uair a rinn mi na bha ’m chomas gu goireas a dheanamh dhi. Ruith na coinnlean a mach, agus bha ochd mìle ri dol mu ’n ruigeamaid bùth. Bha e duilich leam nach robh solus ceart aca ’s an t-seòmar, agus ’dè rinn mi ach poit a chur air le geir. Stròic mi stiallan de shean bhrat-lìn, agus thum mi anns a’ gheir iad gus an robh coinnlean mar nach b’ olc agam; cuirear iad ’s na coinnleirean, ’s thoirear sìos do ’n t-seòmar iad. “Hang them that have no shift, and hang them that have too many!” arsa mo leddi; ach ’s e thuirt mo mhaighstir:—“A Cheit, feumaidh gu ’m bheil màthair chomharraichte mhath agad!” ’S esan a bu dlùithe air an fhìrinn. B’ i mo mhàthair a theagaisg mi gu bhi deas-làmhach an uair a thigeadh càs de ’n t-seòrsa sin air muinntir. Thàinig fear air an do chuir an teaghlach eòlas an uair a bha iad ’s na h-Innsean, a dh’ fhuireach leò greis. Bha e air ùr thighinn dachaidh an déigh uibhir airgid ’s a bha dhìth air a dheanamh. ’S coltach gu ’n d’ thuirt e ri fear-an-tighe gu ’n robh a mhiann air dachaidh a dheanamh da fhéin, agus gun tilleadh tuilleadh do na h-Innsean; gu ’n robh gu leòir aige; ’s na ’m faigheadh e té a bhiodh rudeiginn coltach ris fhéin, d’ an deanadh e bean-uasal, gu ’m b’ e sin a bu docha leis na té [TD 163] ’bhiodh tuilleadh ’s àrd os a cheann. Agus dh’ fheòraich e dheth, am b’ aithne dha té a bhiodh freagarrach air a shon. ’S coltach gu ’n do fhreagair mo mhaighstir, gu ’m b’ aithne dha a’ cheart té a bha dhìth air. Thàinig e far an robh mise, agus thug e fa-leth mi, agus dh’ innis e dhomh na h-uile facal. “A nis, a Cheit,” ars’ an duine grinn, “’s tusa bha fa chomhair m’ ìnntinn; dheanadh tu dìreach an gnothach dha, ’s cha ghabhadh a bhi na bu fhreagarraiche na thu. Bheir mi mo charaid a stigh, agus cho luath ’s a chuireas mi sibh an eòlas air a’ chéile fàgaidh mi ’n seòmar.” “Agus leanaidh mise sibh,” arsa mise. Cha b’ urrainn do m’ mhaighstir a thuigsinn c’ ar son nach gabhainn gnothaich ris an duine. Ach ’s e ’bha ’m inntinn-sa nach robh ni idir de choslas air an duine suim a bhi aige do nithean ach gnothaichean an t-saoghail so; agus cha bhithinn riaraichte mo chrannachur a thilgeadh a stigh le fear mar sin. Fhuair cuid de m’ chàirdean a mach air dòigh air chor-eiginn gu ’n do dhiùlt mi tairgse-pòsaidh cho math a thaobh saoibhreas an t-saoghail so. “Bu chòir cuip an eich a ghabhhail di;” arsa fear dhiubh a chual’ an t-iomradh:—ach bha sìth ann am chridhe-sa d’ a thaobh. Bha Anna ’s mise ’s an teaghlach mheasail so gu sona fad iomadh latha. Ach ghabh Anna droch fhiabhrus. Thug mise ’n aire oirre gus an d’ fhuair i ’n darna taobh de ’n trioblaid. Bha mi dol a ghabhail làn-beòil de ’n àileadh ghlan air latha ’bha ’n sin an déigh dhi fàs na b’ fheàrr. Réitich mi m’ fhalt, ach aon mhìr de m’ ribein cha b’ urrainn domh fhaotainn. Gabhar an ribein a bh’ air Anna mu ’n do laidh i, ’s e ’n crochadh air tarruinn aig làimh. Bu daor a phàidh mise an coingheall a ghabh mi de ’n ribein. Bha ’m fiabhrus ’s an ribein. Thàinig orm-sa laidhe ’n uair a dh’ éirich ise, agus b’ fheudar di-se mise ’bhanaltrachd. An uair a bha mi ceart air mo chois a rithis, chaidh mi dhachaidh car ghreis, gus an cuala mi àite math eile bhi fosgailte dhomh ’an Grianaig. [TD 164] Theann mi mach gu dol do ’n àite ùr. Ach an tràth so bha mo shàr-chompanach ri dol air an turus còmhla rium, mo bhràthair gaolach òg. Bha esan ri dol do Ghlascho, a dh’ ionnsachadh cèird. Cha robh bàtaichean-deathaich no slighean iaruinn ann, mar sin ghabh sinn a mach am Monadh-Meadhonach ’g a choiseachd. Air dhuinn a bhi dol thar an aiseig aig Ionaraoraidh, dh’ fheòraich duine còir a bha làimh rium, ’an guth ìosal,—“An caraid duit an gille bòidheach sin a tha leat?” “’S e mo bhràthair a th’ ann,” fhreagair mi gu h-ealamh. “Thoir an aire dha, matà; bu leòir bodach uisge-bheatha gu toirt air a’ phortair a bhrath do ’n dà shaighdear sin a tha ’tighinn a nuas an cladach.” Thug mi taing do ’n duine, agus rinn mi suas m’ inntinn ciod a dheanainn. Cho luath ’s a chaidh sinn air tìr, ghreas mi Calum a suas gu cùl meall creige nach robh fad o thaobh an rathaid-mhóir. Thug mi dhiom mo sgioball, agus mo chleòca, agus chuir mi air Calum iad. An curachd a bh’ air a’ chleòca, tharraing mi cho fada nall thar a bhathais ’s a thigeadh e; shlìog mi ’fhalt bàn air gach taobh cho math ’s a rachadh e, agus rinn Calum nighean bhriagh, a chionn bha craicionn geal agus gruaidhean dearg aige, agus cha robh ann ach an giullan ach beag. Bha mis’ ann am chòta, le earasaid mu m’ shlinneinean, ’s mi ceann-ruisgte, mar shearbhant’ aig an nighinn eireachdail a bha còmhla rium. Choinnich an dà shaighdear sinn air an rathad a’ tilleadh, ach aon amharus cha do ghabh iad de ’n dà bhoirionnach a bha coiseachd cho spéideil seachad. Air an fheasgar sin féin chaidh sinn a stigh do Ghrianaig ’s an uidheam sin, agus fhuair Calum gu tèaruinte do Ghlascho. Ach bhagair an cunnart ceudna e ’n sin a rithis. Bha feum air tuilleadh shaighdearan, agus bhatar a’ cur croinn cò a rachadh a ghabhail ’s an arm. [TD 165] Thàinig oifigeach agus saighdear mu ’n cuairt do gach tigh fa-leth a dh’ fhaotainn nan ainmean. Bha Calum a’ fuireach le ban-charaid, agus dhiùlt i ’ainm a thoirt seachad. “Cuiridh sinn sìos ainm an duin’ agad matà,” ars’ an t-oifigeach, “agus cha robh e ’n ar beachd ach gillean a ghabhail. Air so a chluinntinn, ruith a’ bhean ás an déigh, agus thug i làn ainm, agus sloinneadh Chaluim dhaibh. Thuit an crannchur air Calum, agus thàinig na saighdearan g’ a iarraidh, gu ’thoirt leò. Cha b’ aithne dhaibh e ri fhaicinn, agus an uair a dh’ fheòraich iad de ’n cheud duine a choinnich iad ’s a’ chlobhsa cò ’n tigh ’s an robh a leithid so de dhuine ’fuireach, cha d’ aithnich an aon sin air a làn ainm cò bha iad a’ ciallachadh, agus fhreagair e, nach robh aon de ’n ainm sin a’ fantainn ’s a’ chlobhsa sin idir. Air an ath latha, an uair a bha Calum a’ dol dachaidh gu a dhinneir, bha cuideachd mhór a’ domhlachadh mu dhorus an Tollbùth. Sheas e air oir na cuideachd agus chual’ e ’ainm fhéin air a ghlaodhaich mar “deserter,” agus bha duais air a tairgse do aon air bith a bheireadh fios uime. Ach fhuair Calum dol air aghart gu sàmhach le ’obair; ’s cha d’ thuirt e fhéin no duine eile diog mu ’n chùis. Bha clann bheaga ghaolach ’s an tigh ’s an robh mo dhachaidh ’an Grianaig. Bhiodh iad gun tàmh còmhla rium. Bha ’n té ’bu shine ’s an sgoil; ’s cha robh mise fada ’n sin ’n uair a rinn mi ’chur romham gu ’n ionnsaichinn Beurla ’leughadh cho math ris a’ Ghàidhlig, a bh’ agam cheana. Cheannaich mi Leabhar nan Ceist, agus thòisich mi air na ceistean ionnsachadh air mo theangaidh. An uair a thiginn air facal nach b’ aithne dhomh, theirinn ris a’ chaileig a bu shine,—“So, feuch am bheil a’ cheist so agam”:—agus theirinn a’ cheist uile gu math gus an ruiginn am facal nach b’ aithne dhomh. Dh’ innseadh a’ chaileag am facal ceart dhomh, ’s mar so fhuair mi gu math air m’ aghart, gun diog a ghabhail orm, oir cha bu mhath leam fios a bhi aca air cho aineolach ’s a bha mi. [TD 166] Thug mo bhan-mhaighstir leatha mi do Lìte, aon uair. B’ ann air a’ chanàl a rinn sinn an turus. Bha e ’n a thurus cho mór leam-sa aig an àm sin ’s a tha e do mhuinntir òg an là-diugh dol do ’n Fhràing, no do ’n Eadailt, Air an t-Sàbaid, air dhuinn a bhi ’n Lìte, chaidh sinn do ’n eaglais ris an abradh, a’ Phàillion, agus ’n am measg-san a shuidh aig a’ chomanachadh bha saighdear de ’n Arm-dhearg, ’n a làn earradh. Chuir sin iongantas orm, agus dhrùigh an sealladh orm gu mór. Shaoil leam nach robh daoine math am measg nan saighdear. Bha oillt orm rompa, a chionn an eagail a chuireadh orm cho tric tre chunnart muinntir mo ghràidh; bha mi ’g an seachnadh eadhon air an t-sràid. Thill sinn do Ghrianaig, ach bha m’ fhuireach-sa goirid, an déigh tilleadh. Fhuair mi fios gu ’n robh mo mhàthair air an leabaidh. B’ fheudar dol dachaidh, gu sealltainn ás a déigh fhéin agus ás déigh m’ athair. An uair a chaochail mo dheagh mhàthair, cha b’ urrainn domh m’ athair fhàgail leis fhéin. Ciod a bha ri dheanamh? Bha ’n t-Oban a nis air fàs ’na bhaile beag. Far nach robh ach trì tighean an uair a chunnaic mi e ’n toiseach, bha nis iomadh sràid, le mìle-gu-leth de shluagh a’ fuireach annta. Chaidh mi stigh do ’n Oban, agus fhuair mi le còmhnadh o aon de m’ bhràithrean, a thog mòran de na tighean, tigh freagarrach gu m’ athair a thoirt ann, agus, aig a’ cheart àm, a bheireadh cothrom dhomh bùth beag a chur suas. Bha mi dìchiollach air chùl mo ghnothaich, agus shoirbhich leam. B’ aithne dhomh rudan milis a dheanamh, agus dh’ fhalbhadh iad an tiota. Bha mi cur fios air eige de anart grinn ás a’ Ghalldachd, ’s a’ cur obair ghréis air. Dh’ ionnsaich mi leabhraichean a’ bhùth a ghleidheadh, agus mar sin chothaich mi ris gu math, agus chum mi m’ athair an comhfhurtachd aig an aon àm, agus chaidh na bliadhnachan thairis. Air latha bha ’n sin, thàinig duine sèimh, còir coltas, a stigh, a reic leabhraichean matha. Bha “Turus A’ Chrìosdaidh” agus oibre Baxter, agus an leithide sin aige. [TD 167] Thòisich sinn air conaltradh mu iomadh ni, thall ’s a bhos, agus dh’ innis mi, am measg rudan eile, mar a ghabh mi iongantas an saighdear fhaicinn aig Bòrd a’ chomanachaidh,— “C’ uin a bha sin?” dh’ fheòraich an duine. Dh’ innis mi ’bhliadhna ’thachair e. “’S mise bha ’n sin,” ars’ e, agus dh’ innis e dhomh an sgeul a leanas:— “An déigh a bhi ùine mhór thairis, agus air mo leòn cho dona gu ’n robh feum agam air tighinn dachaidh, fhuair buidheann de ’n réisimeid cead tilleadh car ghreis, agus bha mise ’m measg a’ bhuidhinn sin. Fhuair mi dol a dh’ fhaicinn mo chuideachd. Bha mi air tighinn gu eòlas na Fìrinn, agus an uair a chunnaic mo chàirdean an t-atharrachadh a bh’ air teachd thairis orm, ghuidh iad orm gun tilleadh tuilleadh do ’n Arm. Bha mi toileach gu leòir so a dheanamh; agus chaidh mi gu forfhais ’fhaighinn, a dh’ fheuch am biodh e comasach mo cheannach ás. Ach, cha leigeadh an Còirneal ás mi gun dithis a chur ’n am àite. Bha feum air daoine; bha a’ bhuidheann d’ am buininn-se ri falbh thairis a rithis aig a leithid so de àm, agus mur faighinn mo dhaoine roimh ’n latha sin, bhiodh e mar fhiachadh orm tilleadh leò. Thuirt an Còirneal gu ’m b’ fhiach aon mar a bha mise, a chunnaic seirbheis cheana, agus a chleachd a bhi ’n a shaighdear, uibhir ri dithis ’sam bi eile. Thill mi thun mo chàirdean. Cha do mheataich briathran a’ Chòirneil iad. Thrus iad ’n am measg £40, agus bha £20 an aon ri thairgse do ’n dithis a ghabhadh m’ àite. B’ ann an Dùn-Breatunn a bha ’n réisimeid. Chaidh an druma chur mu ’n cuairt, an Sràidean Ghlascho, a thoirt fios mu ’n chùis air fad; agus, na ’n gabhadh dithis ’am àite, gu ’m faigheadh iad mise ’n a leithid so de sheòmar, ’s ’n a leithid so de shràid. Thàinig a’ cheud fhear an tiota. Ach, latha ’n déigh latha, dh’ fheith mi ’n am sheòmar, agus coltas cha robh air duine tuilleadh tighinn. Mu dheireadh cha robh ach latha ri ruith, agus, ’na dhéigh sin bhiodh e tuilleadh ’s anmoch. [TD 168] Bha mi a’ tòiseachadh ri toirt dùil nach tigeadh mo chobhair, an uair a thàinig duin’ òg, tapaidh an coltas, a stigh. “An tusa ’n saighdear a tha ’g iarraidh duin’ eile dhol ’n ad àite?” dh’ fheòraich e. “Is mi,” fhreagair mi. “’S mise do dhuine matà; trobhad, thoir a dh’ ionnsuidh an Oifigich mi, ’s gu ’m feuch e ’n dean mi gnothach.” “Théid sinn do Dhùn-Breatunn gun dàil,” arsa mise, “oir tha ’n ùine, ach beag air ruith a mach.” “’S fheàrr dhuinn carbad a ghabhail,” ars’ an gille. “Cha ’n ’eil feum dhuit a bhi cho struidheasach le d’ airgiod,” arsa mise, “gheibh thu gu leoir ri dheanamh leis.” “Tha caileag ás mo dhéigh, ’s cha ’n ’eil toil agam gu ’m faic ise mi a’ falbh,” fhreagair an duin’ òg. Fhuair mi carbad, ’s an ceann beagan ùine bha sinn an Dùn-Breatunn. Chaidh gabhail ri m’ charaid, ’s fhuair mi na pàipeirean a chuir fa sgaoil mi, air an fheasgar sin féin. Bha mi nis saor. ’S a’ mhaduinn, thàinig na companaich air am b’ eòlaiche mi, gu ’m chur air aghart air an rathad. Thàinig leò, an duine ris an deachaidh gabhail air an fheasgar roimh sin. Cha robh fathast ùine air earradh ’ullachadh dha, ach bha e ri sin fhaighinn mu ’n rachadh an latha thairis. Dh’ fhàg càch beannachd agam, air dhuinn tighinn gu coille, a bha nuas gus an rathad-mòr. Dh’ fheith an saighdear ùr car mionaid an déigh da chompanaich tionndadh air an rathad do ’n bhaile. “An d’ fhuair thu do litir-fhuasglaidh?” dh’ fheòraich e. “Fhuair,” fhreagair mi. “Am bheil thu cinnteach gu ’m bheil i air a cur an òrdugh gu laghail diongmhalta anns gach dòigh?” “Tha!” “Tha thu fuasgailte?” “Tha!” “Cum fuasgailte matà, agus beannachd leat!” arsa mo charaid. Air an ath phlathadh bha e thairis air a’ ghàradh, agus a stigh ’s a’ choille, agus ás an t-sealladh. [TD 169] Air an là-màireach bha ’n druma air a cluinntinn a rithis, a’ dol troimh shràidean Ghlascho, a’ tairgse duais do aon ’sam bith a gheibheadh greim air a’ ghille ’theich o ’n àrm. Ach bha mise saor! B’ e ’n sean shaighdear so a’ cheud “cholporteur” a thàinig rathad an Obain. Chaidh na bliadhnachan seachad:—Chaochail m’ athair; agus bha mi ’fuireach le dithis de m’ bhràithrean a thog dà thigh dhaibh féin ’an dà shràid fa-leth. Bha saor anns a’ bhaile; duine dìleas fìrinneach; aig an robh dà bhalachan; am fear a b’ òige beagan thairis air dà bhliadhna dh’ aois. Shiubhail am màthair an uair a bha ’m fear beag ’n a naoidhean. Dh’ iarr an duine math so orm tighinn agus amharc ás a dhéigh fhéin ’s as déigh a bhalachain. An uair a chaidh sinn a stigh le chéile do ’n tigh, air do ’n phòsadh a bhi seachad, thog am fear beag a làmhan, ’s ag amharc am aodann, thuirt e—“Mamai!” Thog mi e, agus theannaich mi ri m’ chridhe e, ’s bha e mar mo leanabh fhéin riamh ’n a dhéigh. Cha ’n ’eil feum air a’ chòrr a ràdh. [TD 170] CEITHIR-LA-DEUG ANN AM FION-LIOS. AIR tilleadh do ’n Urr. Dr. Guthrie, aig aon àm, o chuairt shamhraidh air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa, thuirt e nach fac e fhad ’s a bha e air falbh, ach dithis dhaoine ann an trì seachduinean a theireadh e ’bha deur beag de ’n deoch orra, agus eadhon de ’n dithis sin cha robh e uile gu léir cinnteach; dh’ fhaodadh e ’bhi gur tinneas no tuainealaich a thàinig orra. Ach ’am Baile-mór na h-Alba, thuirt e, air a’ cheud fheasgar a chaidh e mach an déigh tighinn dachaidh, bha daoine ri fhaicinn thall ’s a bhos air an dallanaich. Leugh mi so uile ’s a’ phaipeir-naigheachd, agus òg ged a bha mi aig an àm, loisg e mi gu m’ chridhe gu ’n gabhadh a leithid a ràdh mu dhùthaich mo ghràidh. Ach thòisich mi ri reusanachadh ann am inntinn féin mar so:—“’S e ministeir, agus duin’-uasal a th’ ann an Dr. Guthrie. Cha ’n ’eil e ach beagan ùine ’an àit’ air bith thall ’s na rìoghachdan sin. Cha ’n ’eil fhios aige ciod a tha dol air aghart os ìosal, agus tha e féin ag aideachadh nach ’eil e ro eòlach air cànain an t-sluaigh am measg an robh e. Ma gheibh mise gu bràth an cothrom feuchaidh mi ’n fhìrinn fhaotainn a mach. Théid mi air feadh nan daoine cumanta, agus, leis a’ Ghàidhlig a bhi agam, cha ’n eagal nach bi e furasda gn leòir Frangaich no Gearmailtaich a thuigsinn ri beagan ùine. Mar so chum mi air thoiseach orm am feum a bh’ agam air a bhi deas an uair a thigeadh an cothrom. Chaidh àireamh bhliadhnachan thairis, agus thàinig an cothrom an uair a bu lugha ’bha fiughair ris. Bha mi mu thuaiream bliadhna air chuairt anns an tìr chéin mu ’n do chuimhnich mi na chuir mi romham. [TD 171] Goirid ’n a dhéigh sin, fhuair muinntir an tighe, agus mise còmhla riu, cuireadh seachduin no dhà a chur seachad ann am fìon-lios ’am mìos deireannach an fhoghair. A nis, cha b’ ann ’s an Fhraing no ’s a’ Ghearmailt a thachair dhomh ’bhi, ach ann an dùthaich a tha fada na ’s fhaide ris an ear, tìr nan Roumànach, aig am bheil rìoghachd nan Hùnnach ris an iar, le Rusia ris an tuath, agus an Fhairge Dhubh ris an ear, Air an taobh deas tha na Bulgaraich, a bha gus o chionn ghoirid fo chìs aig na Turcaich. Bha ’n dà chuid Roumània, agus na Bulgaraich fo chìs aig na Turcaich ’s an àm air am bheil mi ’bruidhinn, fad ceithir cheud bliadhna, ach thilg na Roumànaich diubh a’ chuing o chionn deich bliadhna fichead. Cha robh a bheag de eòlas againn air an tìr so, no mòran iomradh air, gus an do phòs ogha na deagh Bhàn-righinn nach maireann am prionns’ òg a tha ri tighinn a stigh air an rìgh-chathair an déigh bràthair-athar, Rìgh Teàrlach. Cha robh anns an rìgh ach Prionnsa Teàrlach aig an àm ud; ach ’s math a tha cuimhn’ agam an cagar a chluinntinn a ruith am measg an t-sluaigh, ’s an deur fhaicinn ’n an sùil, air an latha ’s an deachaidh mòr-chuideachd an airm, agus an luchd-cèirde troimh ’n bhaile le buaidh-chaithream an déigh blàr Phlevna;—“Ar Rìgh! Ar Rìgh!” thuirt iad ri chéile os ìosal, an uair a chunnaic iad Prionnsa Teàrlach a’ dol seachad le seann Iompaire Rusia. Tha mòran tuilleadh iomradh air Roumània a nis o ’n a tha Ban-Bhreatannach ann an inbhe cho àrd ’an cùirt na rìoghachd. ’S iad buidheann de na seann Ròmanaich a chaidh a phlanntachadh an sin leis an Iompaire Tràian, air an cothlamadh—mar a dh’ fhaodar a ràdh—leis na Greugaich a bha riaghladh thairis orra fad iomadh ceud bliadhna, a bha ’nan sinnsear aig a’ phobull so. Tha iad de nàdur ealamh, eutrom, neo-stéidheil, gu sonruichte ’s an taobh deas, agus gu math coltach ris na h-Eadailtich; ged a dh’ fheumar aideachadh gu ’m bheil muinntir an taobh tuath, agus an luchd-dùthcha, de atharrachadh gnè. [TD 172] Tha a’ chànain aca cho cothlamta ris a’ Bheurla fhéin. Mar an sluagh, tha deadh stéidh aice do ’n Laidionn ’s do ’n Ghreugais, le mòran fhacal Turcach, agus Rusianach. Ach tha deadh bhreacadh aice á cànainean eile, a chionn ’s iad na Frangaich a tha thairis air an Telegraph, agus tighean malairt an airgid: ’s iad na Gearmailtich, agus na Breatannaich a tha ’cumail air aghart nan slighean-iaruinn; tha tuilleadh is dà cheud mìle Iudhach ’nam measg; agus thairis air trì cheud mìle de na ceàird. Tha aon sliochd de na ceàird ’nan seirbheisich ’s na tighean; sliochd eile diubh ri spàinean, obair fhiodh, agus iarunn-geal, agus treasamh roinn diubh a tha leth-fhiadhaich, gun eagal Dhé, agus borb ’nan cleachdainnean. Ged a tha eich bheaga ghreannach aig na Roumànaich tha e cho coitchionn na daimh a chur a tharruing na cairt, agus a dh’ oibreachadh an fhearainn. Thug na cairtean ’am chuimhne na seann chairtean Gàidhealach a bhiodh againn a’ dol gu mullach a’ mhonaidh air son na mòine. ’S i ’n Eaglais Ghreugach Eaglais Stéidhichte na dùthcha. Bha Eaglais Phàpanach no dithis anns a’ Bhaile-mhòr, far an robh ar còmhnaidh, agus dà Eaglais Phrotestanach; Eaglais nam Protestanach Gearmailteach, agus coinneamh air a gleidheadh anns an tigh-aoraidh cheudna le muinntir na Beurla de gach comunn, far an do leugh misionari na h-Eaglais Shasunnaich an t-seirbheis choitchionn aca-san, air an t-Sàbaid. B’i so, matà, an seòrsa dùthaich, agus an sluagh am measg an robh mi air chuairt. Bha ’m Baile-mòr, Bucarest—facal Turcach a tha ciallachadh Baile-an-aoibhneis—air meadhon a’ chòmhnaird. Bha ’m fìon-lios a dh’ ionnsuidh an robh sinn a’ dol, deich no dusan mìle siar dheth sin, air cnuic agus bruthaichean a bha ’g éirigh aig oir a’ chòmhnaird, a dh’ ionnsuidh beanntan a bha ’g éirigh mu sheachd mìle gu ochd mìle troigh os an ceann. Bha mòran de na nithean a chunnaic mi, a bha ’deanamh an Sgriobtuir na bu shoilleire do m’ inntinn, agus thug e toileachadh anabarrach dhomh cothrom fhaighinn air obair an [TD 173] fhìon-lios fhaicinn le m’ shùilean féin, agus faighinn na bu dlùithe air an t-sluagh. Tha ’m fàidh Esaias a’ labhairt air “bothan ann am fìon-lios—tigh-fasgaidh ann an gàradh chularan,” ach bha ’n tighein a bh’ air a chur air leth dhuinne beagan na b’ fheàrr na so. Bha e air a thogail gu diongmhalta le clachan creadha, aig ceann cùirt fharsuing, le balla an fhìon-lios air aon taobh, agus le tigh, agus sabhal is bàthaich a’ ghàradair air an taobh eile. Bha ’n t-ùrlar gu h-ìosal dheth air son obair an fhìon-lios, an t-ùrlar os a chionn air son teaghlach a’ mharsannta Ghreugaich leis am bu leis e, gu an samhradh a chur seachad ann. Bha staidhir fhiodh air beulaobh an tighe, a’ dol a suas thun an ùrlair gu h àrd, mar sin bhiodh tigh air leth againn dhuinn féin. Bha tobar, trì-fichead troigh air doimhnead, aig a’ gheata, le crann-tarsuinn, agus bucaid air ròpa an crochadh ris; agus bha mart no dhà aig a’ ghàradair, mar sin cha b’ eagal duinn a thaobh bainne, no ìm, no uisge, agus a chionn nach robh àite-teine anns an tighein, bha ’m biadh ri bhi air a dheasachadh ann an citsinn a’ ghàradair. Ach b’ fheudar cnapanach de dh’ imrich a dheanamh, a chionn, an taobh a mach de dhà bheinge-leapa, agus gràinnean de chathraichean làidir cumanta, cha robh air thoiseach oirnn ach na ballachan aolte. Bha na h-achan air a chòmhnard buainte agus a chuid mu dheireadh de arbhar a’ choirce-Innseanaich a stigh air an latha ’ràinig sinn. Bha na cnuic air thoiseach oirnn còmhdaichte gu am mullach le fìon-liosan, anns an robh, thall ’s a bhos, craobh mhòr chnò. Na b’ fhaide air falbh bha na beanntan coillteach, dachaidh nam mangan agus a’ mhadaidh-alluidh. Gu fortanach tha na madaidh-alluidh a’ togail orra gu Rusia air latha suidhichte ’s an Earrach, agus cha robh e fathast an t-àm dhoibh tilleadh. Tha na mangain dubh anns na coilltibh ’is àirde, agus cha ghabh am mangan donn gnothuch ri duine mur gabh duine gnothuch ris; ged a ghoideas e mulachag chàise á bothan na h-àiridh ’n uair a gheibh e ’n cothrom. [TD 174] Bha sinn seachduin ’s an àite mu ’n do thòisich tional nan dearca-fìona. Bha ’n gàradair, d’ am b’ ainm Sacharia le ’ghillean, trang a’ cur an òrdugh deich togsaidean mòra, a’ gabhail aig na cearcail, ’s ’gan deanamh diongmhalta air gach dòigh. Sin thairis, thainig ùspair de dhuine cas-ruisgte, ann an léine shaic, agus briogais fharsuing de ’n cheart seòrsa, agus dh’ fhadaidh e teine fo choire mòr aig taobh a’ ghàraidh. Thogadh e làn gogain de uisge goileach as a’ choire, agus le càbull iaruinn sgùradh e gach togsaid gu math ’s gu ro-mhath, agus chuireadh e air a cliathaich i gu tiormachadh tacain ’s a’ ghréin. Air feasgar na Sàbaid thàinig mu dhà fhichead de dhaoine òga, fir is mnathan, a nuas thar a’ mhonaidh gu tòiseachadh air buain nan dearc aig sèa uairean air maduinn Di-luain. Thug so fa m’ chomhair mar a b’ àbhaist do na Gàidheil dol ’n am buidhnean do ’n Ghalldachd thun na buana. Oir thàinig a’ mhuinntir òga sin á tìr nam beann aca-san, agus cha robh cuid diubh eu-coltach ri muinntir nan eilean againn, ’n an dreach, agus dath an sùilean. Bha sinn tràth air ar cois air maduinn Di-luain; agus bu chridheil an sealladh na daoine òga fhaicinn, araon dithis is dithis, a’ tarruing nan stòpan móra, luchdaichte le bagaidean, o na mnathan a bha ’g am buain; agus ’g an giùlan eatorra do ’n t-seileir. B’ àluinn an sealladh mu ’n cuairt oirnn air a h-uile taobh; daoine trang a’ trusadh nam fìon-dhearc, cha ’n ann an aon ghàradh a mhàin, ach air gach druim is slios, air gach bruthach is anns gach gleann, a’ tarruing nan luchdan troma a’ dh’ ionnsuidh nan amar brùthaidh a’ seinn aig an obair aoibhinn (Isa. ix. 3). Aig dà-uair-dheug sguir an obair fad uair an uaireadair, agus thàinig an luchd-trusaidh thun am bìdh. Cha robh iad a’ faotainn ach dà thràth ’s an latha; aon aig meadhon-là, agus tràth feasgair an déigh sgur aig na sèa uairean. B’ iad na bùird a bh’ aca, dà bhloigh de chraoibh fhada ghiuthais air an làr anns a’ chùirt, an taobh mìn diubh suas. [TD 175] Air na bùird so bha trinnsear air son gach pearsa; agus làimh ris bha sgonn math de bhrochan min-Innseanach, cho làidir gu ’n robh e air a ghearradh le sreing. Bha ’n deagh staoig, matà, aig gach aon, an àit’ arain, no buntàta. Bha brot feòla ann, agus gu leòir de chàl ’s de fheòil, agus sin air an dà thràth. Cha ’n ’eil teagamh nach robh e glé bhlasda leò, sgìth le ’n obair mar a bha iad, ’s ’n an suidhe air an làr ged a bha iad. Bha aon thall ’s a bhos cho pongail ’s gu ’n do chuir iad còta no ball aodaich eile fodhpa. Chaidh latha no dhà seachad mu ’n do ghlac mi misneach dol sìos ’n am measg. Cha robh mi diomhanach air a shon sin. Bha duine geur-chùiseach, fiosrach, d’ am b’ ainm Ioseph, thairis air gnothaichean an tighe againn. “Ioseph,” arsa mise ris latha, an uair a bha sinn a mach ’s an lìos, “Co dhiubh ’thatar a’ cur fras, no a’ stobadh faillean anns an talamh ’an suidheachadh gàradh fìona mar so?” Rinn Ioseph snodha gàire. “Cha ’n ’eil fìonain anns a ghàradh nach feum a bhi air a shuidheachadh ann am freumh freagarrach, air neo cha bhi math ann.” “C’ ar-son sin?” dh’ fharraid mi. “A chionn, ás eugmhais sin ge b’ e air bith cho fallain ’s a dh’ fhaodadh e bhi, ’s e toradh fiadhaich a ghiùlaineadh e.” “Seadh, seadh!” thuirt mi ’m inntinn fhéin, “is furasd’ a thuigsinn a nis c’ ar-son a dh’ fheumas làmh an Athar na geugan a shuidheachadh anns an Fhìonain fhìor, Freumh agus Gineail Dhaibhidh!” Latha no dithis an déigh so, ghuidh mi air Ioseph mo thoirt a dh’ fhaicinn obair-brùthaidh nam fìon-dhearc. Bha so a’ gabhail àite anns an roinn gu h-ìosal de ’n tigh; sin r’ a ràdh, anns an ùrlar fodhainn, a bha ’n a dhà sheòmar; aon seòmar air son saltairt nan dearc, an seòmar eile air son seileir, agus anns an robh na togsaidean air an cliathaich, gach aon air furm ìosal, gu ’chumail bhàrr an ùrlair. Chaidh sinn a stigh an toiseach gu àite saltairt an fhìona. [TD 176] Bha aig taobh thall an t-seileir, amar fada, air furm mar a bhitheas againne aig lomadh nan caorach. Bha ’n ceann shuas deth beagan beag na b’ àirde na ’n ceann a bhos, agus bha ’n ceann a bha ruinn mar shìolachan. Fo ’n t-sìolachan so bha tuba mhór air son sùgh nan dearc a cheapadh. Bha tuba mhór eile làimh ris, le fàradh beag ann. Anns an amar bha dà ghill’ òg’ ann an deise chotain, dearg a suas gu ’n troidhean ann am fuil nan dearc. Bha dithis eile a frithealadh, ann an tarruing an t-sùigh ás an tuba, agus ’g a chur ’s na togsaidean. Aig an tuba eile bha dithis a frithealadh dhoibhsan a bha ’tarruing nan dearc. Thàinig paidhir dhiubh ’stigh le stòp fhada làn dhearcan. Leig iad sìos i bhàrr an guailibh, oir bha i air a giùlan eatorra air rong a bh’ air a cur troimh chluasan an stòip, agus chuir iad na dearcan troimh chéile le maide, ’g am briseadh gu math mu ’n do thaom iad a mach iad ’s an tuba. Lìon an dithis a bha frithealadh, poca làidir cainb leis na dearcan a bha mar so air am brùthadh, chuir iad am poca air rongais an fhàraidh, ghabh iad aige, agus thog iad a null e thun an amair gu bhi air a shaltairt, leis na pocaichean a bha ann cheana. An uair a bha na pocaichean air an saltairt gu math, chaidh an toirt as, agus chaidh a’ chnàmhag a thilgeadh ann an soitheach air leth, gu spiorad-fìona dheanamh ás. Bha ’m fion a’ ruith ’na allt ruamailte ás an t-sìolachan, agus bha e a’ cumail na dithis a bha frithealadh gu math trang. “Am bu mhath leibh am fìon ùr a bhlasad?” dh’ fheòraich Ioseph. “Bu ghlé mhath leam e,” fhreagair mise. Aig facal uaith, thog fear de na gillean làn gogain agus chuir e ri m’ bhilean e ann am prioba. ’S ann a ghabh mi athadh mo bheul a chur ris a leithid de làn-soithich. “Olaibh e! òlaibh e!” ars’ Ioseph, agus dh’ òl mi deoch nach dìchuimhnich mi ri m’ bheò. B’ e sin an deoch gu dearbh! Chaidh sinn a sin a stigh far an robh na togsaidean. [TD 177] “A nis,” arsa mise, “c’ uin a thòisicheas am fìon so ri oibreachadh?” “Cuiribh ’ur cluas ris a’ cheud togsaid a chaidh a lìonadh o chionn ach beag seachduin, agus cluinnidh sibh a ghoil air tòiseachadh.” Agus cinnteach gu leòir, bha e dìreach mar a thubhairt e. “C’ uin,” thubhairt mi ’rithist, “a dh’ fhaodadh so a bhi air a reic?” “An ceann shèa miosan; ach bithidh e cho ruamailte ri uisge nan soitheachan, cha ’n òladh coigreach e le mòran tlachd, bithidh e cho geur. Tha ’m fìon coitchionn, aig sèa mìosan a dh’ aois air a reic air son dà sgillinn ’s bonn-na-sèa am botal. Ach ’s ann air son uis an tighe ’tha ’m fìon so, mar sin cha ’n ’eil cùram air a ghabhail gu aon seòrsa dhearc a’ chumail air leth o sheòrs’ eile. A thuilleadh air sin, cha ’n ’eil na dearcan so de sheòrsa làidir gu leòir air son glèidhidh, mar sin cha ’n ’eil uibhir chùram mu ’n fhìon a’ dheanamh.” “C’ uin a dh’ fhàsas am fion glan, soillear mar tha ’m fion ceannaich! Am bheil sibh a’ cur branndaidh ann?” “Cha ’n ’eil sion. Ach tha ’m fion a tha ri ghlèidheadh air a thaomadh bhàrr a dheasgainnean aig ceann gach bliadhna; air an dòigh so, mar is sine e ’s ann is gloine bhios e. Tha fion a tha còig no sèa bliadhna dh’ aois mar nach olc, ach théid e ealamh gu ceann duine. Tha fion nan deich bliadhna ciatach, a chionn tha ’bheirm ach beag air a neart a chaitheadh. Mar is sine fion ’s ann is feàrr e, oir cha téid am fion a th’ air sgur a dh’ oibreachadh gu ceann duine na ’s modha na fion ùr.” Am feadh a bha Ioseph a’ bruidhinn, bha briathran an sgriobtuir ag éirigh fa m’ chomhair, agus a’ soillseachadh, mar ghathan grian na Fìreantachd, iomadh ni a thachair dhomh féin, a bha dorcha gus a nis, agus thug mi taing do ’n Tighearna air son a thròcair agus a mhaitheis. B’ iad gu sonruichte na briathran a leanas a thàinig a stigh orm. Tha mi ’g an cur sìos an so a chum ’s nach caill duine [TD 178] sam bith am brìgh, ’s gu ’n dean iad neart agus comhfhurtachd a thoirt do gach neach aig am bheil feum orra, mar a thug iad dhomhs’ iomadh uair o ’n a chuala mi ’n toiseach iad—“Bha suaimhneas air Moab o ’òige agus shocruich e air a dheasgainnean, agus cha do thàirngeadh a mach o shoitheach gu soitheach e ni mò dh’ imich e ann am braighdeanas: air an aobhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’ atharraicheadh fhàile—Uime sin, feuch tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearn’, anns an cuir mise da ionnsuidh luchd gluasaid a bheir air dol air ghluasad, agus a dh’ fhalamhaicheas a shoithichean agus a bhriseas a shoireachan,” &c. Ioshua xxiv. 4.—thug mi do Esau sliabh Shéir r’a shealbhachadh; ach chaidh Iacob agus a chlann sìos do ’n Eiphit.” An uair a ghluaiseas, agus a dh’ fhalamhaicheas an Tighearna sinn, an uair a chuireas e sìos do ’n Eiphit sinn, ’s ann ’an tròcair, ’s ann gu deasgainnean agus fàile an t-seann nàduir a ghlanadh asainn, gus an sguir a bheirm ri oibreachadh, agus bidh sinn milis, fallain a réir milsead agus fallaineachd spiorad Chrìosd. “Seadh,” arsa mise là eile ri Ioseph, “ma tha sibh cho math dheth a thaobh an fhìona, cha ’n fhaod e bhi gu ’m bheil drongair ’n ’ur measg?” “Nach ’eil?” fhreagair e, “tha ’m facal cumant’ againn—“Cho misgeach ri Pòlach.” Chaidh e air aghart—“Nach d’ thug sibh riamh an aire do ’n straighlich ’s a ghleadhar a bhiodh a’ dol air aghart air uairean ’an àite-codail nan seirbheiseach, aig an tigh?” “Thug,” fhreagair mi, “ach ciod am fios a bh’ agamsa ciod a bh’ ann.” “Matà ’s e Petri a bh’ ann a’ gabhail air a bhean.” ’S nach d’ thug sibh riamh an aire cho bitheanta ’s a tha duilleag chàil agus bréid mu cheann goirt Nìcolai? ’S nach d’ thug sibh an aire cho ainmig ’s a tha ’n còcaire ’na thur ’s na thoinisg fhéin? Cha ’n ’eil ann ach duin’ òg, ach shaoileadh duine gu ’n robh e suas eadar dà-fhichead ’s leth-cheud, a chionn tha e gun tàmh a’ rugaireachd am measg dibhe.” [TD 179] “Ciod an uibhir a dh’ òladh duine de ’n fhìon choitchionn mu ’n aithnicheadh sibh air e?” Dh’ fheòraich mise. “Mu chòig no shèa de bhotail,” fhreagair Ioseph. “Mise ’n diugh!” arsa mise. “Chuireadh tea làidir air an daoraich duine mu ’n deanadh am fìon sin e! Feumaidh gur rugaire da-rìreadh an còcaire ma ’s ann mar sin a tha?” “Cha ’n e idir am fìon a tha ’gam fàgail uile ’s an t-suidheachadh a dh’ ainmich mi, ach deoch-làidir.” “Ciod ris an abair sibh deoch-làidir?” “Tha iomadh seòrs’ ann dith; Tha spiorad-fiona air a dheanamh á cnàmhag nan dearca-fìona; ach an deoch-làidir a’ s cumanta, ’s i béisdealachd a tha na Ruisianaich a’ deanamh as an reis (rice). Ach ciod e ás nach deanar branndaidh? Tha branndaidh nan gingis cumanta, ach ’s i branndaidh nam plumbais a ’s neo-chronaile ’s aithne dhomh. Ach tha aon rud a dh’ innseas mise dhuibh, agus ’s e sin, nach ceannaicheadh sibh am feasd am fìon a tha air a reic ’an Sasunn na ’m biodh fhios agaibh ciod an stuth a tha ’dol ann. Bha mise aig aon àm ag obair ann an obair-’fhìon agus an déìgh dhomh fhaicinn na bha na marsanntan fion a’ cur ann, ’s mi nach òladh deur tuilleadh dheth.” “Tha sibh eòlach air a’ bheòir cuideachd, oir ’s ann á dùthaich na beòir a thàinig sibh; innseadh dhomh a nis ’ur barail air a’ bheòir?” dh’ fharraid mi. “Tha i glé theòma air duine ’thionndadh gu bhi ’na bhuideal beòir e féin?” fhreagair Ioseph. “Tha mi ’dol a dh’ fheòraich aon cheisd eile dhibh,” thuirt mi ris. “Ciod a’ bhuaidh a th’ aig na seòrsachan eadar-dhealaichte de ’n dibhe thairis air duine?” Cha robh an fhreagairt fada ’tighinn, ged nach robh Ioseph de chomunn na stuamachd—“Theirinn so umpa; tha ’bheòir a’ deanamh ùmaidh de dhuine; tha ’m fion a’ deanamh amadan deth, agus tha ’bhranndaidh ’g a dheanamh ’na fhear-cuthaich.” Rè na h ùine so bha mi ’cur eòlais air teaghlach a’ ghàradair. Bha bean laghach aige, air an robh trioblaid mhòr a [TD 180] chionn nach b’ urrainn duinn bruidhinn ri chéile uibhir ’s a bu mhath leinn. Ged a thuiginn a’ chuid mhòr de na theireadh i, cha robh mi ach gagach ann am freagairt. Bha aice leanabh bòidheach, balachan mu chòig bliadhna dh’ aois, anns an do ghabh mi tlachd. Bha e toigheach air dol leam a h-uile taobh. B’ ainm dha Ioanìca, ’se sin, Iain-beag. Cha robh de aodach air ach léin’ fhada, agus boineid chruinn de chraicionn uain. ’S iomadh facal a dh’ ionnsaich e dhomh nach dì-chuimhnich mi am feasd’. Air feasgar àraidh, an déigh do na h-uile duine ’bhi thairis le ’n obair, agus a’ gabhail toileachaidh anns an t-sàmhchair, thainig buidheann Cheàrd le ’n innealan-ciùil. Thrus a’ mhuinntir òga mu ’n cuairt daibh, agus thòisich a’ chluich. Shéid iad a suas a’ Phìob-shionnaich, agus innealan eile; rinn mu fhichead de na buanaichean cuairt, a’ beirsinn air làmhan a chéile mar a bhios clann na sgoil againn a’ deanamh, agus chaidh iad mu ’n cuairt ’s mu ’n cuairt, a’ cur sgaoim air a’ mhuic, ’s air na tunnagan a bha tighinn dachaidh o ’n sraid fheasgair. An uair a bha ’cheud bhuidheann sgìth dh’ éirich càch. Bha ’n gàradair, ’s a bhràthair, ’gan cumail air aghart, chaidh Ioanìca agus a sheanair a stigh am measg na cuideachd, agus mu dheireadh thug Bean a’ ghàradair, an leanabh ás a làmhan do aon de na h-ingheanan, agus, gu modhail, ghabh i stigh eadar a céile agus a bhràthair, ’s chaidh mu ’n cuairt le càch, a’ cumail tìm ris a’ cheòl. Chaidh iad an sin troimh chleas eile ris am faodar “Cailleach a’ Chrùbain” a ràdh. Chaidh a’ chluich so air aghart gus an d’ éirich a’ ghealach àluinn os an cionn; agus an d’ fhàs a’ chlann sgìth. Bha ’n abhainn a’ dealradh mar nathair lùbach airgid am measg nam preasan shìos air a’ chòmhnard, agus gach creutair a’ gabhail gu fois an uair a dh’ fhalbh an luchd-ciùil. Gabhaidh sinne, cuideachd ar cead do ’n fhìon-lios aig an àm so, a’ tasgadh gach toileachadh agus buanachd a fhuair sinn, a suas ann ar cridhe. [TD 181] EADAR-THEANGAICHTE. AN CRUITHNEACHD SARRASIN. AN T-AMADAN-LIATH. SALM A’ CHIBEIR. AN RIGH AGUS AN COCAIRE ALBANNACH. [TD 182] [Bàn] [TD 183] AN CRUITHNEACHD SARRASIN. (THE BUCKWHEAT). TACHRAIDH e glé bhitheanta, ma théid duine, an déigh stoirm thàirneinich troimh dhail anns am bheil cruithneachd sarrasin a’ cinntinn, gu’n toir e’n aire gu ’m bheil am bàrr air fàs dubh, agus air a ghlan dhàthadh; tha e dìreach mar gu’m biodh lasair theine air dol thairis air, agus an sin their an tuathanach;—“’S e ’n dealanach a rinn so air!” Ach ciamar a thachair gu’n d’ rinn an dealanach so air?—Innsidh mise sin duibh, mar a dh’ innis na gealbhoinn dhomh fhéin e, agus fhuair iadsan e bho sheann chraoibh sheilich a bha ’cinntinn taobh na dail chruithneachd, Tha a’ chraobh sheilich so ’n a craoibh mhòir urramaich, ach tha i air fàs crom, crotach le seann aois. Tha an stoc aice air sgoltadh a suas am meadhon, agus riasg agus dris nan smeur a’ cinntinn anns an fhosgladh. Tha ceann na craoibh ag aomadh thairis, agus tha na geugan, le am meòir chaola, a’ crochadh a nuas mu’n cuairt oirre mar gu’m biodh ann falt fada glas. Anns na dailtean mu’n cuairt bha na h-uile seòrs’ arbhair a’ fàs; an seagal agus an t-eòrna cho maith ris a’ choirce àluinn, dhìreach, àrd, a tha, an uair a tha e abuich, ceart mar gu’m biodh ann grioglachain de eòin bheaga bhuidhe bhòidheach ’nan suidhe air an aoin chuiseig. Bha beannachadh air an arbhar, agus mar a bu truime am beannachadh ’s ann a b’ìsle a lùb an t-arbhar a cheann ann an irioslachd mhaiseach na cràbhachd. [TD 184] Ach bha an sin mar an ceudna dail de chruithneachd sarrasin, agus b’i so an dail a bha làimh ris an t-seann chraoibh sheilich. Cha dean an cruithneachd sarrasin a cheann a’ lùbadh air na chunnaic e riamh; mar a ni gach arbhar eile, ach cumaidh e suas e gu toirteil, stràiceil,—cò ach esan! “Tha mi,” ars’ e, “cho beartach ann an diasan ris an arbhar eile, agus a thuilleadh air sin, tha mi fada na ’s bòidhche; tha mo bhlàithean cho briagh ri blàth nan craobhan ubhal; tha e ’n a shòlas dearcadh orm féin agus air mo chuideachd! An aithne dhuit ni a théid air thoiseach oirnn, a sheann chraoibh sheilich? Thug a’ chraobh sheilich gogadh air a ceann, mar gu’n abradh i,—“Seadh gu dearbh!” Ach sgaoil an cruithneachd sarrasin e féin a mach leis an dearg àrdan, agus thuirt e,—“Nach i ’ghloic a’ chraobh sheilich; tha i cho sean gu’m bheil am feur a’ cinntinn aisde!” Air so dh’éirich doinionn ghailbheach. Dh’fhill uile bhlàithean na macharach an duilleagan air a’ chéile, agus chrom iad an cinn bheaga gu làr, am feadh a sguab an stoirm thairis orra; ach sheas an cruithneachd sarrasin a suas cho starcach ’s a bha e riamh. “Crom do cheann mar a ni sinne!” thuirt na blàithean. “Cha’n ’eil feum ’sam bith air sin a dheanamh!” fhreagair an cruithneachd. “Lùb do cheann a sìos mar a ni sinne!” ghlaodh an coirce. “Tha aingeal an doinionn a’ tighinn air a’ ghaoith! Tha bàrran a sgéithe ’ruigheachd o’n iarmailt a dh’ionnsuidh na talmhainn, buailidh a shaighead tromhad mu’n urrainn duit guidhe a chur suas air son tròcair!” “Cha’n ’eil mise ’dol g’am chromadh féin!” thuirt an cruithneachd. “Dùin do bhlàithean, agus lùb do dhuilleagan!” thuirt an seileach aosmhor. “Na h-amhairc air an dealanach an uair a sgoiltear na neòil; cha ghabh clann nan daoin’ orra féin [TD 185] sin a dheanamh, oir ann am platha an dealanaich gheibhear sealladh a stigh air dorsa Nèamhan an Tì a’s àirde, ach dheanadh an sealladh sin eadhon clann nan daoin’ a dhalladh. Ciod a thigeadh ruinne, matà, na’m biodh a chridh’ againn amharc, sinne a tha cho suarach seach iadsan!” “Cho suarach seach iadsan!” thuirt an cruithneachd sarrasin. “A nis ’s e dìreach an rud a nì mi, amharc a stigh air dorsa nan Nèamhan a’s àirde!” Agus rinn e sin ’na àrdan agus ’n a spòrs. Bhoillsg an dealanach mar gu’n robh a’ chruitheachd air fad a’ dol ri theine. An uair a chaidh an doinionn thairis, sheas na blàithean agus an t-arbhar suas anns an àile ghlan, air an ath-bheothachadh leis an uisge. Ach bha ’n cruithneachd sarrasin air a losgadh leis an dealanach, agus air fàs cho dubh ris a’ ghual. Cha robh ann ach lusan marbh, a dh’fheumadh a bhi air an trusadh bhàrr aghaidh na talmhainn. Thug oiteag shoirbheis carachadh beag do na geugan fada aig an t-seann chraoibh sheilich, agus shil na duilleagan fras de bhraona mòra uisge, dìreach mar gu’n robh a’ chraobh a’ gul. Dh’fharraid na gealbhoinn,—“C’ar son a tha thu a’ gul? Tha beannachadh air an àite so! Faic mar a tha ’ghrian a’ deàrrsadh, faic mar a tha na neòil gu ciùin a’ snàmh seachad! Nach ’eil thu ’toirt an aire cho cùbhraidh ’s a tha anail nam blàithean agus nam preasan air fàs! C’ar-son matà, a ghuileadh tu, a sheann chraoibh sheilich?” Agus dh’ innis a’ chraobh dhaibh mu thimchioll uabhar a’ chruithneachd sharrasin, agus mu’n àrdan aige, agus mu’n pheanas a thig daonnan an cois an àrdain sin. Mise, a tha ’g innseadh na h-eachdraidh dhuibh, ’s ann bho na gealbhoinn a fhuair mi i. Dh’innis iad dhomh i feasgar a bha’n sud, an uair a dh’iarr mi orra naigheachd innseadh dhomh. [TD 186] AN T-AMADAN-LIATH. AIR latha briagh Earraich chaidh amadan-liath a mach a shireadh bean da fhéin. Gu nàdurra, ’s ann am measg nam flùragan beaga bòidheach a chaidh e ’g a h-iarraidh. Ghabh e cuairt air am feadh, a ghabhail seallaidh orra. Gu tosdach, stòlda sheas gach té dhiubh air a cois; mar a bu chòir do gach nighean òg i féin a ghiùlan an uair nach ’eil i fathast fo cheangal pòsaidh. Ach bha àireamh cho mòr ann diubh, gu ’n d’fhairtlich air roghainn a dheanamh; agus a chionn nach gabhadh e ’n uibhir sin de dhragh air fhéin gu té a thaghadh, dh’ fhalbh e thun an neòinein a dh’ iarraidh comhairle. ’Se Mairearad an t-ainm a th’ aig na Frangaich air an neòinein. Tha iad a’ cumail a mach gur urrainn di fàisneachd a dheanamh; agus ’s i a nì sin, an uair a spìonas càraid òg na bileagan geal aice, aon an déigh aoin a’ farraid mar a spìonar iad, de’n seòrsa gaoil leis am bheil iad air an gràdhachadh. Tha iad a’ toirt breith mar so, ann an spìonadh nam bileag,—“Theagamh?”—“Beagan?”—“Maireannach?” “Neo-chaochlaideach?”—agus mar sin air aghart. Tha gach aon a’ cur na ceisde ’n a dhòigh ’s na chànain fhéin. Mar sin, thàinig an t-amadan-liath a chur na ceisde ceudna ’na dhòigh féin. Cinnteach gu leòir, cha do spìon e na bileagan; ’s ann a phòg e gach té dhiubh, ’s an dùil gu ’n coisneadh caoimhneas na bu luaithe na gairge. “A Pheigi, a ghaoilein,” ars’ esan ris an neòinein, “tha mi a’ meas gur tu bean a ’s fiosraiche am measg nam flùragan uile, ’s urrainn duit fàisneachd a dheanamh. Innis dhomhsa cò ’n té ’tha mi ri fhaotainn? Faic thusa, ma [TD 187] gheibh mi fios cò ’n té ’tha ri bhi ’n a mnaoi agam, théid mi dìreach far a’ bheil i, gun tuilleadh m’ a dhéighinn, agus cumaidh mi cuideachd rithe.” Ach aon smid cha do fhreagair Mairearad. Ghabh i gu dona gur bean a thuirt e rithe, a chionn cha robh innt’ ach nighean òg. An uair is ann mar sin a tha ’n gnothuch, cha bu chòir gu ’n abrar bean ri h-aon. Chuir e ’cheisd an dara, ’s an treasamh uair, agus an uair nach tigeadh an t-aon drannt ás a beul, chaill e ’thlachd do ’bhi glèidheadh seanachais na b’ fhaide rithe. Gun tuilleadh uime, sgiath e air falbh a ghabhail seallaidh air na maighdeanan. ’S ann toiseach an Earraich a bha so. Bha clagain-an-t-sneachda, agus na cròcusan a mach ’nan dreoisichean air na h-uile taobh. “Caileagan laghacha, grinne,” ars’ an t-amadan, a’ gabhail beachd orra, “caileagan grinne; ach tha iad tuilleadh’s nàisneach; cha ’n ’eil cur-a-mach ’sam bith annta.” Bha ’aire-san, mar na daoin’ òg eile, air nigheanan a th’ air tighinn gu inbh. Mar sin ghabh e null thun lus-na-gaoithe. Bha ise, mar an ceudna, pailte teann ’n a beachdan leis. Bha tuilleadh ’s a chòir de speuradaireachd air aire brògan-na-cuthaige. Bha na tiuiliopan tuilleadh ’s spleuchdach; bha blàth a’ bhaile-mhargaidh air na lilidhean; bha flùrag a’ chroinn-téil ’n a gròbaig mheanbh; agus, mar an ceudna, bha sgaoth pheathraichean aice, ’s cha fhreagradh sin. Bha blàth na craoibh-ubhail, cinnteach gu leòir, cho bòidheach ris an ròs féin, ach dh ’fhaodadh i ’bhi ’n a maise an diugh, agus am màireach, na ’n tigeadh rannt saoibhreis, thuiteadh i air an làr. Bhiodh pòsadh de ’n t-seòrsa sin tuilleadh’s goirid leis. An déigh uile, bu docha leis blàth na peasair na gin eile a chunnaic e. Bha i geal, dearg; bha i grinn, ceanalta, sgairteil; b’ urrainn di a h-àite féin a sheasamh cho math anns an t-seòmar ris a’ chitsin. Bha e dìreach air beul a h-iarraidh; ach, air a’ mhionaid sin féin, ghlac a shùil ribeag sheargta de bhlàth, a bha ’n crochadh ri spàlaig làimh rithe. [TD 188] “Cò ’tha ’n sin?” dh’ fharraid e. “’S i mo phiuthar a th’ ann,” fhreagair am flùran. “Mo chreach ’s mo sgaradh! An ann mar sin a bhios tusa fathast ri amharc ort!” ghlaodh an t-amadan-liath le uamhas, agus theich e air falbh gu luath. Bha ’n iadh-shlat an crochadh thairis air na preasan a bha mar challaid mu ’n ghàradh, agus oirre bha dreoiseach mhòr nìghneag; ach bha aghaidh fhada, agus craicionn odhar aig na h-uile té riamh dhiubh. Cha robh so idir a’ còrdadh ri ’inntinn. Ach dh’ fhaodar gu dearbh fhoighneachd an robh inntinn idir aige! Farraid thusa sin deth fhéin!— Dh’ fhalbh an t-Earrach, chaidh an Samhradh seachad, bha ’m Foghar a nis air tighinn, agus fathast cha do thachair a h-aon air d’an deanadh e roghainn. Agus fad na h-ùine bha na flùrain ’gan nochdadh féin anns na deiseachan a bu mhaisiche; ach ciod am math a bha sin, cha robh an òige ùrar, chùbhraidh a nis ann! ’S ann direach an uair a tha duine ’fàs seanndaidh a tha e ’tòiseachadh ri ’bhi mothachail air fheum air rud-eiginn cùbhraidh ’n a bheatha, agus cha ’n ann am measg dhàhlian, agus meuran-nan-cailleacha-marbh am bitheantas a gheibhear sin. Air an aobhar sin, sgiath an t-amadan-liath a sìos le iarrtus a chridhe thun na mionntaine. “Cha ’n ’eil aon bhlàth ort, cinnteach gu leòir, ach is flùran thu gu fìor, a chionn, o bhun gu bàrr tha na h-uile duilleag dhiot cho cùbhraidh grinn ris na blàithean àillidh. Is tusa ’ghabhas mise!” Agus mar so thug e gu crìch a shuiridhe. Ach sheas a’ mhionntainn a suas gu tosdach, stuidearra. Mu dheireadh thubhairt i:— “Càirdeas a mhàin, ’s e sin na dh’ fhaodas gu bràth a bhi eadaruinn! Tha mise sean, agus tha thusa sean! Faodaidh sinn a bhi laghach ri chéile, ach pòsadh,—cha ghabh e ’bhith! Cha deanadh e gnothach amadain a dheanamh dhinn fhéin ’n ar sean aois!”— [TD 189] Agus air an dòigh so cha d’ fhuair an t-amadan-liath bean idir. Cha d’ rinn e suas ’inntinn ann an àm, agus cha ghliocas sin do dhuine ’sam bith. Dh’ fhàs an t-amadan-liath ’n a sheana-ghiullan. Bha ’m Foghar a nis fad air aghart. Shil an t-uisge ’n a spùtan. Shéid a’ ghaoth cho cruaidh air cùlaobh nan sean chraobhan seilich gu ’n do chrom iad an druim gus an cluinnte ’n stoc a sgoltadh. Cha robh e comasach do dhuine sgiathadh mu ’n cuairt na dùthcha ’n a dheise shamhraidh mar gu ’n robh an gaol ’n a bhiadh ’s ’na aodach dha,—mar a thuirt an sean òran e. Cha robh an t-amadan-liath a’ dol a mach idir a nis. Thachair dha tuiteam air seòmar comhfhurtachail far an robh gealbhan math air a ghleidheadh. Bha ’n seòmar so cho blàth ris an t-samhradh féin. An so thàinig e beò car tacain; “Ach, cha bheatha bith a mhàin,” ars’ an t-amadan-liath,—“tha feum aig duin’ air solus gréine, saorsa, agus flùran beag!” Air so a ràdh, sgiath e null an aghaidh na h-uinneig. Chaidh an aire thoirt da; rinneadh othail mhòr uime; chaidh prìne ’stobadh troimh ’n chorp aige, agus a chur ’n a sheasamh am measg cruinneachadh mòr de amadain-léithe. “Tha mi nis ’n am shuidhe dìreach coltach ri flùran air a’ chois aice,” ars’ an t-amadan, “ach, mise ’n diugh! cha ’n e ’n suidhe socrach e!—Ach an uair is fear-pòsda duine feumaidh e ’mhisneach a chumail suas, oir tha e air a cheangal gu teann; cha ’n ’eil dol ás dha ach suidhe far am bheil e!” agus leis a so ghlac e comhfhurtachd dha féin. “’S bochd a’ chomhfhurtachd sin!” arsa na flùrain a bha anns na poitean a bha ’s an uinneig. “Ach air son nam flùran sin a tha ’s na poitean, cha ’n fhaod duin’ earbsa uile gu léir a chur annta,” thuirt an t-amadan ris féin, “tha tuilleadh’s a chóir de cho-chomunn aca ris a’ chinne-daonna gu creideas a chur anns na their iad!” [TD 190] SALM A’ CHIBEIR. BHA mi aon uair, arsa ministeir àraidh, air feasgar Di-Sathuirne, ag ullachadh air son na Sàbaid, an uair a thàinig fios g’ am ionnsuidh gu’n robh aon de m’ cho-thional air leaba bàis, agus gu ’n robh toil aige m’ fhaicinn. ’S e cìbeir a bh’ ann; agus de gach cìbeir a dh’ àraich a threud air monadh Gàidhealach, cha do choinnich mi riamh aon cho sònruichte air son a dhiadhachd. Gun mhionaid a chall, chaidh mi null thar a’ mhonaidh thun an tighe bhig, chomhfhurtachail anns an robh e ’chòmhnuidh. An uair a chaidh mi stigh do ’n t-seòmar ìosal far an robh e ’n a laidhe, fhuair mi ’n sean duine ’n a leth-shuidhe ris an adhart; na cluasagan a’ cumail taice ris, agus ’anail cho goirid gu’ n robh e soilleir dhomh nach robh a chrìoch fad air falbh. “A Dhìne,” ars’ e ri ’mhnaoi, “feuch am faigh thu furm do ’n Mhinisteir, agus fàgaidh tu sinn tacain leinn fhéin.” Cho luath ’s a dhùin i ’n dorus air a cùlaobh, thionndaidh e orm an dà shùil shoillseach ud aige, le sealladh cho tiamhaidh gu ’n do ghluais e mi gu m’ chridhe, agus thuirt e le guth a bha air chrith leis a’ ghluasad a bha ’n a inntinn,—“A Mhinisteir, tha mi ’dol thun a’ bhàis, agus—agus—tha geilt orm!” Thòisich mi gu grad air a chur m’ a choinneamh na geallaidhean a ’s làidire ’tha facal Dhé a’ toirt duinn; ach chuir e stad orm ’n am meadhon;—“’S aithne dhomh iad [TD 191] uile,” ars’ e gu muladach, ’s aithne dhomh iad uile; ach ciamar ’sam bith mar a tha, cha ’n ’eil mi ’faotainn comhfhurtachd ’sam bith uapa.” “Nach ’eil sibh ’gan creidsinn?”— “Le m’ uile chridhe!” fhreagair e le dùrachd. “C’ àite, ma seadh, an urrainn eagal àite fhaighinn far am bheil uibhir de chreideamh slàinteil?” “Air a shon sin uile, ’mhinisteir, tha geilt orm,—tha geilt orm.” Thog mi ’m Biobull, a bha ’n a laidhe air an leaba, ’s air a dheagh chaitheamh le ùis; agus thionndaidh mi suas an treasa Salm-thar-fhichead. “Tha cuimhn’ agaibh air an xxiii. Salm?” thuirt mise. “Cuimhn’ agam oirre!” thuirt e le déine. B’ aithne dhomh i fada mu ’n d’ rugadh sibh; cha ruig sibh leas a leughadh; bheachdaich mi thairis oirre mìle uair air taobh na beinne.” “Ach tha aon rann nach do ghabh sibh riamh a stigh;” arsa mise. Thionndaidh e sùil orm le sealladh anns an robh rud-eiginn de chronachadh cho math ri gruaim. “Nach d’ thuirt mi cheana ribh gu’ m b’ aithne dhomh na h-uile facal di mu ’n d’ rugadh sibh!” Chaidh mi thairis air facal an déigh facail de ’n cheathramh rann gu socair,—“Seadh, ged shiubhail mi troimh ghleann sgàile a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm; oir a tà thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh,”— “Bha sibh ’n ’ur cìbeir fad ’ur beatha; agus chleachd sibh beachd a ghabhail air na sgàilean troma, a thilgeadh dùbhradh car tiota thar beann is gleann; a’ falach, car beagan ùine, aghaidh soillseach na gréine. “An do chuir sgàile mar sin riamh eagal oirbh?” “Eagal orm!” ars’ e gu h-ealamh. “Tha fios nach do chuir! Tha fuil nan Cumhnantach a’ ruith ’an cuislean [TD 192] Dhà’idh ’ic Dhòmhnuill; Cha do chuir sgàile, no ’n rud o ’n tigeadh an sgàile geilt no fiamh air-san.” “Ach an d’ thug na sgàilean oirbh riamh a shaoilsinn nach faiceadh sibh a’ ghrian gu bràth tuilleadh,—gu ’n robh a’ ghrian air a cur ás?” “Tha fios nach d’ thug; cha robh mi ’m bhurraidh cho mòr.” “Gidheadh, ’s e sin féin a tha sibh ris an ceart-uair.” Dh’ amhairc e orm le teagamh. “Seadh,” arsa mise; tha sgàile a’ bhàis thairis oirbh, agus tha e ’cur folach, car tiota beag, air aghaidh Grian na Fìreantachd, a tha ’dealradh ’n a glòir mar is àbhaist, air cùl an dùbhraidh; ach, cha ’n ’eil ann ach sgàile;—cuimhnichibh gur e sin a tha ’n Salmadair ag ràdh a th’ ann,—sgàile a théid seachad; agus, an uair a théid e thairis, chì sibh na beanntan sìorruidh gun neul air an glòir.” Dh’ fholaich an sean Chìbeir ’aodann ’na làmhan critheanach; agus chum e ’na thosd fad gràinnean mhionaidean: an sin, a’ leigeil leò tuiteam bhàrr ’aghaidh, air a’ bhrata, thuirt e, mar gu ’n robh e meòmhrachadh thairis air, ris féin,—“Matà; Matà! chaidh mi thairis air an rann sin rium fhéin mìl’ uair air an fhraoch; agus cha do thuig mi mar so i gus a nis:—eagal a ghabhail roimh sgàile! Eagal a ghabhail roimh sgàile!” An sin; a’ tionndadh aghaidh orm a bha nis air a lasadh suas le dealradh a bha, ach beag, nèamhaidh, thuirt e, a’ togail a làmhan le àrd-urram gu nèamh,—“Seadh, seadh, tha mi ’g a fhaicinn uile ’nis. Cha ’n ’eil anns a’ bhàs ach sgàile, le Crìosd air a chùlaobh,—sgàile a theid seachad. Seadh, seadh, cha ’n ’eil na ’s fhaide geilt orm.” [TD 193] AN RIGH AGUS AN COCAIRE ALBANNACH. B’ e duine geur, deas-bhriathrach a bha ’s an Iarla Rochester sin a bha ri linn an dara Rìgh Teàrlach. Bha ’n t-Iarla, air latha àraidh leis an rìgh, a’ bhan-righinn, am ministeir-tighe, agus cuid de mhinisteirean na stàit, còmhla, a’ bruidhinn thairis air cùisean na rìoghachd. An ceann ghreis thuirt an rìgh gu sùrdail,—“Biodh ar smuaintean a nis air an cur fa sgaoil o ghnothaichean na rìoghachd; agus thugaibh dhuinn gloine fial de ’n fhìon a tha toirt subhachais, mar a deir an Sgriobtur, do Dhia agus do dhuine.” Air so a chluinntinn, thuirt a bhan-righinn gu modhail, nach robh i ’saoilsinn gu ’n robh a leithid de fhacal ’s an Sgriobtur; agus nach bu lugha na toibheum na briathran ùisneachadh. Fhreagair an rìgh nach robh e dìreach deas gus an caibideil agus an rann a thoirt seachad, ach gu ’n robh e fiosrach gu ’n do choinnich e iad ann an leughadh an Sgriobtuir. Chaidh an gnothach a chur ris a’ mhinisteir, agus bha a bheachd-san a’ co-chòrdadh ri barail na ban-righinn. Dh’ fhalbh Rochester, aig an robh amharus làidir gur e n rìgh a bha ceart, agus cheasnaich e na seirbheisich, ach a h-aon diubh cha b’ urrainn leughadh ach Dà’idh an còcaire Albannach.—Air a shon-san deth,—thuirt iad—cha rachadh e taobh ás eugmhais a Bhiobuill. Chaidh Dà’idh a ghairm; chuimhnich e ’s a’ mhionaid an dà chuid an rann, agus an t-àite ’s an robh i ri fhaotainn. Thug Rochester òrdugh dha, e bhi deas a’ feitheamh; agus an sin thill e far an robh an rìgh. B’ ann air an rann a bha ’chuideachd fathast a’ seanachas; mar sin, thairg Rochester fios a chur air Dà’idh, a bha, ars’ esan, “mion-eòlach air na Sgriobturan.” [TD 194] Chaidh Dà’idh a ghairm a stigh; agus air a’ cheisd a bhi air a cur ris, thug e mach am Bìohull, agus leugh e ’n rann. B’ anns a’ chosamhlachd a fhuaradh i, far an robh craobhan na coille a’ dol a chur rìgh thairis orra—Breith. ix. 13—: “Agus thubhairt an fhìonain riù, Am fàgainn-sa m’ fhìon, a tha ’toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhi air m’ àrdachadh os ceann nan craobh?” Rinn an rìgh smeathadh gàire, ghuidh a bhan-righinn maitheanas air; thàinig rughadh an aodann a’ mhinisteir. Thionndaidh Rochester ris an ollamh urramach sin, agus dh’ fharraid e dheth am b’ urrainn da teagasg na rainn fhosgladh a suas daibh; o’n a fhuaradh i?—Cha robh smid aige ri ràdh. Mar sin, dh’ iarr Rochester air Dà’idh am mìneachadh a thoirt seachad. Labhair an còcaire ’s a’ mhionaid, a’ dearcadh air Rochester an clàr an aodainn.— “An tomhas anns an toir fìon subhachas do dhuine, is maith is aithne d’ ur mòraireachd,”—cha ’n ’eil teagamh nach faca Dà’idh deur beag air, dusan uair,—“agus gu ’n toir e subhachas do Dhia, theirinn, le cead na cuideachd, gu ’n robh anns an aoradh fo ’n t-Seann Tiomnadh, tabhartais-bìdh, agus tabhartais-dibhe. B’ ann de fhìon a bha ’n tabhartas-dibhe, oir bha e ’n a shamhladh air fuil an Eadar-mheadhonair. Bha so, mar a dh’ fhaodar a ràdh, a’ toirt subhachais do Dhia, a chionn gu ’n robh E deagh-thoilichte leis an dòigh shlàinte a chuir E féin air chois; tre ’n robh a cheartas air a riarachadh; a lagh air a choimhlionadh; a thròcair a’ rìoghachadh; a ghràs a’ buadhachadh, uile iomlanachdan a’ co-chòrdadh; am peacach air a shaoradh; agus Dia ann an Criosd, air a ghlòrachadh.” Dh’ amhairc an rìgh air Dà’idh le iongantas; Shil na deòir aig a’ bhà’righinn; agus an déigh do Rochester facal no dhà gu math goirt a thoirt do ’n mhinisteir, thuirt e le dùrachd ris an rìgh, gur ann a bu chòir am ministeir a chur do ’n chitsin, a dh’ ionnsachadh còcaireachd, agus Dà’idh a chur a stigh an àite a’ mhinisteir. [TD 195] DÀIN IS DUANAGAN. [TD 196] [Bàn] [TD 197] CEILIDH DHUN-I. B’ fhada ’bha ’n latha gun triall, bha ’ghrian aig iomall nan cuaintean, Dh’fhosgail rionnag a sùil ’s an liath-ghorm a b’àluinne shuas, Mar chloinn air broilleach am Màthar, le anail na sìth’ air an cluaintean, Bha na h-Innse-Gall ’n an laidhe ag éisdeachd ri crònan nan stuadh. Bha I-Chalum-Chille mar chàch, mar naoidhean a’ tuiteam ’na chadal, Gach creutair air machair ’s air tràigh a’ gabhail gu fois, gun fhiamh, Bha Muile nam fuar-bheann àrd a’ togail gun ghruaim a baideil, A h-uillt a’ cagar gun tàmh ris an osaig fo dhubhar nan sliabh. Chaidh Triùir gu mullach Dhun-I a dh’òl de shòlas a’ chéitein, Shuidh iad, an aghaidh ri fairg’, fo sgàile creig, air an fhraoch, A’ còmhradh mu linntean a dh’aom, thug iad ainm gu h-àbhach d’a chéile, Coibhi an Druidh, Calum Cille, is Oisean, sàr-fhilidh nan Laoch. [TD 198] Bha Coibhi ’an treise na h-òige, cho dubh ris an fhitheach a chiabhan, Mar dhà reul ’s an dubh-ghorm, a shùilean, a’ deàrrsadh fo mhala mar bhruaich; Bha Oisean caoin, le’fhalt fada a’taomadh m’a ghuaillean mar liath-shruth, Is còmhla riù Calum Cille, le fèith-ghàire sìth air a ghruaidh: Coibhi bha dian mar an tuil a’ casadh an aghaidh a bruachan, Oisean bha ciùin mar a’ bhruach, a stiùras an abhainn gu réidh; Aig Calum bha cridhe cho farsuing, bha àite ann do gach truaghan, Gleann fosgailt’ gu Nèamh, do chlann bheaga, do choisir na coille ’s do’n ghréin. Fàilte gu Eilean-nan-Druidh! arsa Coibhi, A chàirde ’n ’ur dithis, ’S fhad o’n a thàinig an oidhch’ air na Laoich ’tha fo’n Réidhlic ’n an smùr, C’uin a thig ginealach fhallain o’n éirich an leithide a rithis, C’uin, air an linn a thig caochladh, ’s a bhriseas an òg-mhaduinn ùr? Eadhon mar a bha ’ghrian ud uidh-air-’n-uidh a’ dol fodha, Soillse nan làithean a dh’fhalbh tha sìoladh bho dhùthaich nam beann, Uidh-air-n-uidh tha an oidhch’ a’ tilgeadh sgàile na ’s motha, ’S a’ folach gu buileach o’r sealladh àilleachd nan linntean a bh’ann. O chian tha ’ghealach ’s a’ ghrian, ars’ Oisean nam mìn-chiabhan aosda, A Shamhradh ’s de Gheamhradh, mar riamh, ag éirigh ’s a’ laidhe gach là, [TD 199] Tha ’n fhairg’ mu bhunait nan sliabh gu siorruidh a’ lionadh ’s a’ traoghadh ’S gun chaochiadh bidh linnte na daonnachd a’ ruith a réir nàduir mar ’bhà. Tha Tobar na soillse thall aig iomall a’ chuain air sìoladh, Is faic, clann bheag nam preas’ a’ trusadh an cinn fuidh an sgiath, Tha’n dìthein a’ dùnadh a sùl, ’s a’ cromadh a cinn gu sìobhalt’, Is éiridh a’ ghrian orr’ am màireach cho bòidheach ’s a dh’éirich i riamh! ’S an uair ’tha ’n Geamhradh a’ tighinn, feasgar tiamhaidh na bliadhna, An uair ’bhios na blàithean a’ tuiteam air màgh gun ghrinneas, gun sgèimh, An uair ’tha duilleach na coill a’ froiseadh fo anail nan siantan Dùbhlan bheir luibh agus craobh dha, am beatha tha folaicht ’n am freumh. ’S am freumh tha snaimte teann ’san talamh, cha’n ann air a spìonadh Glan as a bhun gu h-an-iochdmhor, fhreagair gu h-ealamh an Druidh, ’S mar luibheannach sguabt’ air falbh gu cinntinn theagamh, no crìonadh, Rinneadh e tric air ar cinneadh, ’s e so ’is aobhar do m’ chaoidh Ciod ’tha ’sa Ghaeltachd ach cniota, ball-cluiche fo chasan nan uaibhreach? Uaislean bhlàr-réis nan steud each, uachd’rain a’ bhuideil ’s an stòp— An dùthaich a ghléidh sinn tre chruadal, nach faigheadh aon Choigreach uainn i,— Nach faigheadh e ’m feasda le ’chlaidheamh—mhealladh i uainn tre a phòc’. [TD 200] C’ àit an diugh ’m bheil an sluagh a bha fialaidh, misneachail, cridheil? C’ àit an diugh ’m bheil na Bàird a thogadh gu ceòlmhor na dàin? C’ àite na Sàir a bha ciallach, gnìomhach le briathr’ air am bilibh Fallain mar fhior-uisg an fhuarain a’ sruthadh ’sa chéitein o’n bhràigh; Cùbhraidh mar anail nan lòintean fo throm-dhriùchd na maidne ’sa Mhàigh? Dh’ fhalbh iad sud mar an driùchd, agus cò ’nan àite ’th’ air tighinn? Ginealach lag, neo-stéidheil, do shògh agus uabhar ’n a thràill, Luchd-frithealaìdh dhìblidh uaislean, ag ionaltradh chaorach is shithionn, Seotaichean agus cha seòid sinn, le ’r cridhe cho ìosal ri ’r sàil! Na ’n cluinnt’ an diugh iomradh air Fionn, chuireadh Ban-tighearna fios air d’ a lùchairt Gu fasdadh a chur air an Laoch gu marcachd ’sa charbad ’n a còir, Cha ’n ann aig a taobh, ach a cùlaobh, gu modhail a shuidhe ’na ùspair, Le còta gu ’shàil air is brigis, ad àrd agus putain gu leòir. Is ghabhadh am fleasgach gu càirdeil deadh-thairgse na bean-uasail mhàlda— Gheibheadh i curaidh nan Gàidheal cho meata ’s cho sìobhalt’ ri uan; Reiceadh e ’shè troidhean àirde gu tionndadh ’na lunndaire càllda, B’ fheàrr leis marcachd mar thràill na bhi ’m bochduinn a’ treabhadh nan cruach: [TD 201] Stad ort, a Charaid! ars’ Calum, nach ’eil thu ’n ad ruith tuillidh’s ealamh? C’àit am bheil aobhar air talach mur faigheadh duin’ obair a b’fheàrr? Mur faigh mi an obair ’bu mhath leam, nach gabh mi an rud ’thig ’am charamh? Is feàrr e gu mòr na ’bhi falamh, is cò a their rium—tha thu ceàrr!— Mar mheanbh-chuileag bhaoth anns an fheasgar tha mac an duin’ air an talamh, Cha’n ’eil ann a bheatha ach latha, tha cinneas a ghineil o’n dé, ’S an glac a mhi-fhoighdinn fhaoin sinn mur téid e le’r dùthaich ’s le’r daoine Cho math ’s a bu toil leinn na ’shaoil sinn, ’s an leaghar ar cridhe mar chéir? Air gràdh ar Dé cha’n ’eil caochladh, a cheartas bith-bhuan cha dean claonadh, ’S na rùnaich a ghliocas d’ar taobh-ne, ’s e ’bheir E gu crìch gu léir. Seall mu’n cuairt air a’ chuan ’n a ghlòir fa d’ chomhair ’na luidhe, Le aoidh ag amharc a suas gu ciùin ann an aodann Nèimh, Seall o dheas gu tuath air na h-eileinean bòidheach ’n an suidhe Sgeadaicht’ an trusgan rìoghail an t-samhraidh le maise is sgèimh; Bho Dhiùbhra dhorcha nan stuadh, ag éisdeachd ri gaoir Choire-Bhreacain, Gu Eilean a’ cheò mu thuath, ag éirigh mar lùchairt ’s an speur, Is tasg-thighean Leabhar-nan-cnoc iad, air clàraibh cloiche tha’n eachdraidh Sgrìobhta le Làimh nach dean mearachd, a dhealbh orr’ uile a seul: [TD 202] Dh’fhosgail I dhuinn leabhar-dealbh nan linn do-àireamh ’chaidh thairis, Tonn air thonn, as an t-siorruidheachd romhainn, ’s a mhaireas ’n ar déigh, Chì sinn mar ’leagadh sailthean gach seòmar d’ar n-àros air thalamh, Mar ’leagadh ’an doimhne na fairge gu daingean ’s gu seasmhach an stéidh; Linn an déigh linn bha ar còmhnuidh le saothair ’ga sìor chur an òrdugh Mu’n d’rinneadh an dachaidh cho ghlòrmhòr, cho coimhlionta agus cho buan, Rinn Gràdh uile-chumhachdach òirdheirc—gun ghreasad, gun mhoille—gach seòmar, Mu’n robh ann aon duine beò air a chruthachadh ach ann a smuaint: Dh’fhalbh, air chinnt, na seòid, ’s cha’n fhaicear an leithde, gun teagamh, Ach ciod an t-aobhar a th’againn a bhi ri caoidh agus bròn? Cha’n’eil sinn a’ caoidh nan uile-bheistean, taisgt ’an creagan na h-Eige, A b’àbhaist a chéile a ghlamhsadh an uair a bha’n saoghal ’n a òig’! Cha’n iarrainn gu’m maireadh na linntean, ars’ Coibhi, ’s am faigheadh ar sinnsear Tuilleadh’s tric an toilinntinn ’an creachadh is milleadh a’ chéil’ Ach dh’iarrainn gu’m biodh an aon-fhillteachd, an fhìrinn gun cheilg agus dìlseachd, A’ mhisneach nach meataicheadh cruadal, a’ cinntinn ’s a’ mairsinn ’n an déigh; An fhearr na na h-iodhalan bréige, d’ am b’àbhaist ar n-Aithriche sleuchdadh, [TD 203] Daoine ’thoirt aoradh dhoibh féin, tre shannt, agus uabhar gun truas? Gu’n sgriosadh duin’ a cho-chreutair, a’ càrnadh dha féin duais na h-eucoir Tre dhòrtadh deoch-cuthaich na h-iuthairn thar sgòrnan an ìotaidh gun stuaim? Shaoil sinn na làithe ’bhi dlùth a bheireadh, le gràdh agus caomhachd, Crìoch air eas-aonachd is fuath, sìth agus réite mu’n cuairt. Ach c’ àite bheil buaidh na diadhachd, c’àite ’bheil cumhachd na naomhachd, No ’n comharradh ’dhealbh am Buachaill’ tre ’n aithnicht’ am feasda a shluagh? Sgapt’ tha A chaoirich o ’chéile, air faondra truagh air an sléibhte, Roinnte le coimhstrì nam buachaillean leagt’ air an gnothuichean féin. Gheibhear gach foghlum fo ’n ghréin ac’, ach a mhàin an t-aon nì feumail; Iosa Criosd, air a cheusadh—cha’n fhaighear ach ainmic ’n am beul. An sud, chithear gràinnein a’ tabaid thar bèiceartaich, coinnlean is cnàmhan, An sin gheibhear clann an aon mhàthar tre ainm air an sgaradh o chéil’, An so tha coin bhalbh nach dean tathunn, gu soganach, sodaiach, sleamhain, A’ fàgail an obair do mhnathan, luchd-tuarasdail thruaighe gun fheum; Eadhon na h-aodhairean còire ’tha trusadh an lòin do na treudan, Bheir iad biadh-bruich dhuinn d’am beachdan is cònnlach am pailteas gu leòir, ’An àit’ ar toirt as na croithean gu ionaltradh blasd’ air an fheurach, [TD 204] ’S toirt oirnn á Tobar na beatha deoch-slàint’ ar n-anma òl. ’S cha’n ’eil mi a’ faotainn na coire, cha’n fhàg mi i ’mhàin aig an aodhair, Ar leam nach ’eil i na’s lugha ri fhaotainn maraon leis an t-sluagh, Ma theirear an fhìrinn ri’n aghaidh le fear nach’eil idir ’n a chladhair, Eiridh an sin an cath-labhar mur till e a chlaidheamh do’n truaill. Tha’n tìr, mar an saoghal, air ghluasad, ars’ Oisean, tha daoin’ air an luasgadh Thuig’ agus uaith’ air fuadain gun dachaidh, gun dùthaich fo’n ghréin. Cha’n’eil an sluagh mar a bha iad, tha bannan an gràidh air am fuasgladh, A ghléidh eadar chorp agus anam iad diongmhalta snaimte ’n a chéil’, Ach ciod a th’againn r’a dheanamh? An till thu’n làn air a’ chladach? An cuir thu casg air a’ ghaoith, ag éirigh ’n a cumhachd ’s an iar? An tionndaidh thu cùrsa nan neul an uair a tha ’ghaillionn a’ sadadh, Le neart an-iochdmhor, air muir agus tìr anns a’ Gheamhradh chiar? “Ge dlùth a’ chlach air an làr, is dlùithe na sin cobhair Choibhi,” ’S e so ’tha ’n gnàth fhocal ag ràdh—ars’ Calum r ’a charaid le aoibh: Ciod a bheir slàinte as-ùr mu’n cuairt?—Am bheil meadhon no dòigh air? Abair, is sinne ’nar dithis seasaidh gu dìleas ri d’ thaobh. [TD 205] Mìle taing! arsa Coibhi, taing dhuibh, a chàirde, ’n’ur dithis. Ciod a ni feum ach sinn féin a thoirt mar bheò-iobairt ar gràidh? Dia, agus Dùthaich nam Beann le teas a lìonadh ar cridhe Gu’n dean sinn gach ni ’tha ’n ar comas a dh’oibricheas maith do na Gàidheil. Buaidh le aonachd is sìth! Buaidh le duinealas fiachail! A suas leis a’ ghràdh gun cheilg, nach lotadh ar bràthair gu bràth! Buaidh gu robh leis an fhìor-ghloine! Buaidh le stuaim agus diadhachd! Buaidh le clàrsach nam Filidh! Buaidh le bilibh nam Bàrd! B’ fhad o ’n a luidh a’ ghrian gu ciùin aig iomall nan cuaintean, Dh’fhosgail gach rionnag a sùil ’s an dubh-ghorm a b’àluinne, shuas, Mar chloinn air broilleach am màthar, le anail na sìth’ air an cluaintean Bha innsean a’ chuain air an iar ’nan cadal fo chrònan nan stuadh. [TD 206] TUIREADH. Air son gill’ og air an d’thainig sgiorradh obann. Is trom ’tha ’n t-uisge ’sileadh O speura gruamach, ciar, Is tuirseach fuaim na gaoithe A’ séideadh fuar o’n iar, Tha gaoir nan tonn ’s nan geugan Gun tàmh ag éirigh suas, Is sinn a’ tasgadh an Fhir-òig, Gu brònach anns an uaigh. Is sinn ’g a chur, gu brònach, Fo dhubhar beinn nan craobh, Bu tric a rinn e dìreadh, Le ceum na h-earb’, r’a taobh, Tha ’nis a leaba fhuar-san ’Na h-uchd, fo sgàil nan geug, O, ’s dual do’n t-saogh’l a bhi fo ghruaim An diugh, mar ’tha sinn féin! B’ aoigheil a bha ’aghaidh-san Mar shealladh blàth na gréin’, Sunndach mar an sruthan ait, ’Tha tigh’n troimh ’ghleann, ’n a leum, Ceòlmhor mar an smeòrach, Air bhàrr nan dos a’ seinn, ’Nuair bhios an driùchd air feur is fraoch Air maduinn Shamhraidh ghrinn! [TD 207] Sìnibh e, gu càirdeil An Talamh blàth ar gaoil, Thar linnt’ o chian d’ar sinnsearachd A brata gorm a sgaoil, Le creag an Dùin, mar fhreiceadan Ag éirigh os a chionn, Is fàgamaid ’n a chadal e Gu crònan binn nan tonn? O, thus’ a Mhàthair gaolach, Is fliuch le deòir do ghruaidh! Ach Esan ’thug do d’ bhroilleach e, ’S a nis a rinn ’thoirt uait, Cha dìobair E gu bràth thu, ’S E Féin do neart ’s do sgiath; Tha ’gheallanna mar reulta glan, Ged ’fhalbhadh gealach ’s grian. ’N uair bhios na glinn ’s na beannta ’G an còmhdachadh as ùr, An uair a bhios, ’s na coilltibh, Na h-eòin a’ togail ciùil, Thig sinn air ais le blàithean, G’ an cur aig ceann na h-uaigh Bidh ròs air son an t-Samhraidh ann, Le lilidhean m’ an cuairt. ’S gach àm a bhios ar ceuman, ’S an fheasgar, air an t-sliabh, ’S a thionndaidhear ar smuainte D’an ionnsuidh-san ’th’ air triall,— Cha ’n ’eil a h-aon air dì-chuimhn’ Ge mòr an àireamh dhiùbh— Bidh Esan ann ar cuimhne tric Tha ’n diugh an Kilmaliù! [TD 208] DHAIBH-SAN A DH’ FHALBH UAINN ANN AM BLIADHNACHAN MU DHEIREADH NA LINN. Tha sian nan linn air Craobh ar Cinneadh; Tha’n duilleach ’bha grinn, ’bu nòsar cinneas, A’ tuiteam gu tinn ri taobh a’ ghlinne Is gaoith’ air linne ’gan caoineadh. Gu ’m b’ fharsuing gach geug ’s a’ Chéitein shubhach, Le blàth air gach meur is fàilean lurach; Gun fhàillinn gun bheud o fhreumh gu mullach, ’Nar treubh dlùth-cheangailte, gràdhach. Tha sneachda nam bliadhn’ a’ cur ’s a’ cuithe, Tha ceò air an t-sliabh gu trom a’ suidhe, Air cùlaobh a’ chuain tha ’ghrian a’ luighe, ’S gur tiamhaidh ciaradh an là leinn. Cha ’n iongantach dhuinn ’bhi tùrsach dubhach, Na daoine ’bha ionraic, faoilidh, duineil, Dlùth-chàirdean ar gaoil ri ’r taobh a’ siubhal ’S an saoghal gu buileach air caochladh. Ach c’uime ’tha ’chaoidh?—o’n speur fo dhubhar Ged ’fhalbh a’ ghrian cha’n ann gu fuireach; Thar tìrean céin gur treun a siubhal, Gun neul air a soillse gun traoghadh. [TD 209] Tha sinne a’ caoidh nan àitean falamh Nach lìon gu bràth na càird’ air thalamh. ’S o dhachaidh nam Flàth ar càird’ nach maireann Le bàigh ag amharc an taobh so. Ged ’fhalbh ar dìls’ gun dùil ri tilleadh, S le ionndrainn cridh’ ar sùil-ne sileadh Thig ’teachdair’ na sìth’ a rìs g’ar sireadh Gu tìr is caidreamh ar daoine. Air siubhal do’n oidhch’ air chinnt thig latha; ’Nuair shiubhlas a’ ghrian gu ’n till an t-earrach; ’S air cadal na cill thig dùsgadh fathast, Ri linn Ard-Earrach na Daonnachd! BLAITH—FHLEASG O MHOD NAM MACA-MEAMNA. Aig beul na h-oidhche air latha Céitein, Sheas mi air Buachaill’-Eite, A’ beachdachadh air na sléibhte ’Bha ’g éirigh gu h-éibhinn mu’n cuairt; Sìdh-chailinn, Beinn Dòbhrain, Agus Cruachan ’n a mhòrachd, Bidein uaibhreach Ghlinn’ Cothann, Beinn Nibheis, rìgh uasal nan cruach; Gach mullach dhiubh breacta Le badain sneachda ’S a’ ghrian ’gan òradh le gathan glòire A beannachd ’s a sòraidh Mu ’n do luidh i ’na còs aig a’ chuan. [TD 210] O gu ’m b’àluinn na gleanntan Shìos aig ìochdar nam beanntan, Le ’n sruthan ’nan deann-ruith, A’ glaodhaich ri chéil’ o gach sliabh! Gu ’m bu mhilis leam éisdeachd Ris an spréidh ’s iad a’ geumnaich, Na laoidh leò a’ leumnaich; An ruadh-bhoc ’s am fiadh ’Nan luidhe gu foisneach ’s an riasg. Air raon ’s air stùc Throm shil an driùchd: Mar chanail dh’ fhàs anail nam beann; A nìos á ìochdar nan gleann Bhrùchd boltrach cùbhraidh, Le spìosraidh o mhìltean tùiseir: O lus, phreas, o chraoibh, O thonnan dorch’ an fhraoich, Gach luibh d’ am b’ fheàrr fàile Dhòirt a bhrìgh air an àile, Is measgta leis uile gu léir Sìor chrònan nan caochan, is osnaich nan geug. Chiar am feasgar air Gualainn Liath-ghiuthas A nìos á broilleach Ghlinn Urachaidh Dh’ éirich an ceò; A nall bho Rudh’ Ardnamurchan Thionail na neòil: Mar gheòla ’seòladh ’measg chùirn na h-iar-dheas Air muir na h-iarmailt’ Bha a’ ghealach òg. Foidh a caoin dheàrrs’, Thar cuan nan linntean a dh’ aom, Thainig samhladh soillseach nan Laoch; [TD 211] O thalla nan neul Theirinn cuideachd chliùiteach nam Bàrd; Mu’ n cuairt daibh, ’nan ceò-éideadh, Mar cheathach nan sléibhte Dh’ iadh tàibhse, is cruth mu gach beàrn. Chuir Binn-bheul a chlàrsach an gleus, Thog Ullinn is Caireall an dàn:— IADH-SHLAT IS EIDHEANN. (Honeysuckle and Ivy). ULLINN— Seinneam fàilte gu cridheil do dùthaich mo ghràidh, Seann chreathall mo shinnseara, Albainn an àigh, An rìoghachd bheag bhòidheach fo reul an taobh tuath, An neamhnaid a ’s òirdheirc air broilleach a’ chuain. CAIREALL— Le ’h-eileana ’ga cuartachadh, Mar òigh i feadh a h-uanagan, Mar bhanrigh ’measg a gruagaichean, ’S a’ mànran rith’ na stuadh-thonna. ULLINN— Cuiream fàilt’ air na h-inns’ eadar bheag agus mhòr O Bhòd agus Ile, gu Rona is Leòdhas, O Arran is Diùra gu Eilean-a’ cheò, Air am binneinean dùbh-ghorm gu ’n caidil na neòil: [TD 212] CAIREALL— Le Muile àrd nam mòr-bheanna, Tiriodh le ’bhreacan eòrna air, Gu Iort ri fairg’ ’na ònrachdan, ’S gach sgeir le muir a’ crònan ris. ULLINN— O, ’s àluinn na cùirn le an steallairean liath, Na coireachan giùthsach ’s am faicear am fiadh, Na doireachan ùrar mu bhealach is bràigh, Na h-aibhnichean lùbach a’ taomadh air tràigh: CAIREALL— Na bruthaichean gur miannach leinn, Na leathadan gur grianach iad, Le raineach ’s fraoch ’g an còmhdachadh, ’S an canach geal ’s na mòintichean. ULLINN— O Mhaoile Chinntìre gu bràighe Shrath Nàbhair, Chìthear làraichean prìseil ’tha falamh an tràths’, Ach tha ’m fineachan lìonmhor ’s na tìrean thar sàil’, Agus cridhe gach sìol dhiubh tha dìleas d’am màthair: CAIREALL— Do chlann tha seasamh dìleas riut, Eas-caraid cha dean dìmeas ort, Gualann do mhic ri d’ ghualainn-sa Is neò-air’-thaing mur buadhaich thu! ULLINN— Mo shòraidh ’s mo ghaol-sa air Garbh-chrìoch nan Gàidheal, Air còir-breith na saorsa a ghreim nach do chaill, Beò-thobar na Gàidhlig, cainnt aosmhor nan laoch, A tha ’sruthadh gu sùnndach ’an dùthaich an fhraoich; [TD 213] CAIREALL— A suas dhuinn cainnt an òranaich, Gur gasda, blasda, bòidheach i, ’S i ’s grinne ’s binne ’s buadhmhoire Na cànain riamh a chuala sinn! ULLINN— A suas leis a’ Ghàidhlig, ’s le còisir a’ chiùil, Anns gach àm, anns gach àite, ’am mulad ’s ’am mùirn; Ged a sheinn iad dhuinn cumha craobh mhilis nan teud, Rinn i dùsgadh a rithis ’s tha ’chlàrsach ’an gleus! CAIREALL— A suas gu bràth a’ Bhàrdachd dhuinn! A suas a’ Phìob, ’s a’ Chlàrsach dhuinn! Beatha is slàint’ do ’n Ghàidhlig ghrinn, ’An tigh gach Gàidheal ’s gach àite ’s linn! ——— Sguir luchd a’ chiùil, ’s mar ghaoith feadh dhuilleag Bha ’ghaoir mu ’n cuairt daibh a dhùisg:— Thainig Spiorad nam Beann a nall o’n dubhar, Bha eud is mulad ’na ghnùis: Air dhath mar an fhraoch ’bu deirg’ bha ’chulaidh, M’a ghualainn ceathach a’ chùirn, A’ sruthadh o ghruaig a chiabhan dùbh-dhonn, Le òr na maidne mar chrùn: A ghuth bha mar éigh na h-Eite ’siubhal, Bha dealan na h-oidhch’ ’na shùil, Mar dhéine beum-sléibh a’ leum le bruthach Bha ’n t-séist o ’bhilean a bhrùchd. [TD 214] FOTHANNAN NAN CARN. (A Thistle from the Cairn). SPIORAD NAM BEANN— Tha tìr nan sonn, Tha tìr nam fonn, Tha tìr nan tonn brònach; An dùthaich chéin, Fo shùil na gréin’, Fuil chlann nan sléibht’ ’ga dòrtadh! Gu cinneach crìonnd’ A chur fo chìs Ruith beath’ ar tìr mar ruadh-thuil, ’S e miann an òir, ’S i ’n uaill ’s an spòrs A chuir ar slògh ’s a’ bhruaillein! An fhiù a’ ghlòir Do ’n Leòmhann mhòr Air luch a spòg a chàramh? An fhiù a’ ghlòir Gu ’n trusadh slòigh Gu croiteir còir a smàladh? Tha clann na saorsa ’Cur fo dhaorsa Pobull faoilidh sgeanmail, Tha ’n làmh an sàs An sgòrnan bràthar, ’S an saoghal ri tàir mu ’n ainm-san! [TD 215] Tha sliochd nan laoch Tha clann an fhraoich A’ gabhail taobh na h-eucòir, Théid iad a dhìth Ma théid iad clì Le ceartas fìor a thréigsinn! Tha caoidh ’s an tìr:— Gu claoidhte, sgìth, Tha cridh’ na rìoghachd le buaireas; Le fuath, le strì, Théid gràdh, is sìth Gu grad a sìos ’s a’ chuartaig! A suas a’ bhàigh, ’S gach buaidh’ is feàrr ’Rinn cliù nan sàr cho fiachail: A sìos gu làr Le creach, is àr, ’S gach nì ’ni bràthair a phianadh! Tha tìr nan sonn, Tha tìr nam fonn, Tha tìr nan tonn fo dhòruinn; ’An dùthaich chéin, Fo shùil na gréin’, Fuil chlann nan sléibht’ ’ga dòrtadh! ——— Dh’ aom gach ceann a sìos mar chuiseig Fo bhriathra Spiorad nan càrn; Dh’ fhuirich gach aon gu tosdach dubhach, Gun fhocal tuilleadh ri ràdh. [TD 216] ’N sin dh’ éirich a suas, gu h-aobhach subhach, Cruth gaolach Spiorad na h-Aois; Mar liath-shruth nan cruach a chiabhan ’s ’ula, Gu h-uallach choisich e ’m fraoch; Rinn Binn-bheul a rìs a chlàrsach ullamh, Le chéile thog iad an t-séist; Bha fèith-ghàire tlà, bha fàilt is furan ’N an gnùis-san uile a dh’ éisd— BADAN FRAOICH. (A Sprig of Heather). SPIORAD NA H-AOIS— Mosglaibh, a chàirde! Tha ’n fhàire dhuinn dlùth; Buailibh, a Bhàrda, An clàrsach ás-ùr! Theich uainn an Geamhradh, An teanntachd, ’s an sneachd, Thàinig an Samhradh ’An àilleachd a dhreach! Chlisg fo bheum-sgéithe A’ Chéitein gach flùr; Am feachdan tha ’g éirigh ’Nan treudan o’n ùir; Copanach, cléiteagach, Cìreanach, breac— Air cluaintean, is geugan, Feuch iad air teachd! [TD 217] Latha buidhe Bealltainn Thill leis a’ ghréin, Seirm ghrinn na h-ealtainn Binn cheòl nan eun; Faicibh na sléibhte ’Nan trusgana nuadh!— Cridhe gach creutair Cho mear ris an uan! Fuadach nan Gàidheal Bha dòruinneach fuar; Bha ’n cànain ’s am bàrdachd Ri ’n càradh ’s an uaigh; Ach dhiùlt iad a’ bhàirlinn, Is mairidh iad beò Fhad ’s ’tha fraoch air Ceann-gheàrr-loch, ’S air Cruachan an ceò! Dh’ éirich an treubhan A Breatunn ’s o’n Fhraing, Le treun-fhir na h-Eirinn, Gu buaidh ’thoirt gun taing; Gàidheil nan céin-thìr A deas agus tuath Mar bhlàith-fhleasg a’ Chéitein Air blàr caomh na buadh’. An déigh oidhche na caithris Thig briseadh an lò, ’Nuair tha ’n fhaoilteach chruaidh thairis, An t-Earrach geal òg; Ged a chrìonas gach gineal Mar dhuilleach ’s na glinn, Mar ghiuthas tha ’n cinneach A’ mairsinn ’s gach linn. [TD 218] Buaidh biodh le càirdealas, Cneasdachd is gràdh; Dùisgidh iad gàirdeachas Mùchaidh iad àr: Buaidh leis an aonachd, Le bàigh agus sìth, Buaidh leis an daonnachd Gu iomall gach tìr! Mosglaibh, a chàirde, Tha ’n fhàire dhuinn dlùth! Dùisgibh, a Bhàrda, An clàrsach ás-ùr! Theich uainn an Geamhradh, An teanntachd, an sneachd! Thàinig an Samhradh An àilleachd a dhreach! ——— Sguir e de ’n duan, is chual’ mac-talla An luaidh a fhreagair an dàn:— Shìolaidh an fhuaim ’s an sunnd rè tamuill, Is sheall na suinn ris na Bàird: Ghluais Màthair Eite ’nall gun chabhaig, Bha maise na h-eala ’n a ceum; Mar sholus nan reul an t-sùil f’a mala, Bha seun nan gaoithean ’n a séist— [TD 219] AM FUARAN ARD. Thigibh, a chlann, thun an Fhuarain àird! Tha sruthadh an uaigneas fo chrom nan càrn, ’S e Tobar n a mùirn, Tobar a’ chùirn; O, òlaibh de bhùrn an Fhuarain àird! Thigibh, a chlann, thun an Fhuarain àird! Fo chraoibh na beatha tha ’m Fuaran àrd: Tha tapachd nan laoch; Cumhachd a’ ghaoil, Tha anail na saors’ anns an Fhuaran àrd. Thigibh, a chlann, thun an Fhuarain àird! ’S e tobar nam bliadhn’ am Fuaran àrd: Tha òige nam beann, Maise nan gleann, Tha éigheach nan tonn ’s an Fhuaran àrd. Thigibh, a chlann, thun an Fhuaran àird! Tha gathan na gréine ’s an Fhuaran àrd: Tha solus nan reul. Guirme nan speur, Tha beithir nan neul ’s an Fhuaran àrd. Thigibh, a chlann, thun an Fhuarain àird! ’S e Tobar nam Filidh am Fuaran àrd: Tha ealdhain nan rann, Gliocas nan sonn, Tha seun nam fonn anns an Fhuaran àrd. [TD 220] Thigibh, a chlann, thun an Fhuarain àird! Is òlaibh de bhùrn an Fhuarain àird ’S e Tobair a’ chùirn, Tobar na mùirn, ’S e Tobar a’ chiùil am Fuaran àrd. ——— Luidh gealach ùr a’ Mhàigh Cùl a’ bhràigh; Las iad le teine sionnachain na coinnle-bianain Ri ’n leusan fiadhannta, Dhanns, leis na maca-meamna air an t-slios, Nà fir-chlis, Ri pìobaireachd Nan daoine-sìthe ’Bh’ air feadh nan geuga, ’S nam fìdhleirean a bha air sgéithe Nan dealan-dé:— O Bhuachàill’-Eite Thàr cuideachd nan Laoch ’s nam Bàrd Gu talla an tàimh. AN GAIDHEAL ANNS A’ BHAILE-MHOR. Bha mi ’siubhal gun aire air sràidean a’ bhaile, Gun charaid, gun chù, no fear-eòlais; Cha ’n fhaca ’s cha chuala mi nì ’bha mu’n cuairt domh, ’S mo smuaintean ’an gleannan an smeòraich: Ach dh’ éirich mar dhoinionn an ceòl air mo chluais-sa A dh’ fhàisg mi le mulad is sòlas; [TD 221] An sgal ud gach cuisle ’nam fheòil chur air ghluasad, ’S bha mi ’m priobadh an Dùthaich nam mòr-bheann, Mo chas sheas a rìs air an fhraoch, Le bruachan a’ ghlinn air gach taobh; Aig fois air na raointean bha caoirich ’s crodh-laoidh, ’S thàinig fàile a’ ghiuthais ’s a’ ghaoith; Ceòl muladach, éibhinn na Pìob, Ceòl iollagach, deurach mo Thìr; Tha anail nam beann, Tha tuiltean nan gleann Anns a’ cheòl so a ’s binn’ air an t-saoghal! Ach b’e m’ionndrainn an còmhnuidh air maduinn Di-Dòmhnuich An clachan beag bòidheach a dh’ fhàg mi; Cha chluinnear ach Beurla le sgiolam a’ taomadh, Is aodann cha tionndaidh le bàigh rium; Ach chuala mi naigheachd an raoir air mo thurus, A tharruing do ’n chaibeal gun dàil mi; Gach fadal a léir mi ghrad theich aig an dorus, Oir dh’ éirich am moladh an Gàidhlig: Bha mis’ ann an Dùthaich an fhraoich, Le càirdean mo ghaoil air gach taobh, Bha ceilear na gaoith’, agus luasgadh nan craobh A’ tiginn tharam, le crònan a’ chaoil! Cainnt fhìnealta uasal mo Thìr, Mar chlaidheamh dà-fhaobhair do ’n chridh’; Tha doinionn an t-sléibh, Tha torrunn nan speur Anns a’ chànain so ’s grinn’ air an t-saoghal! Thus’, a ghaoith a th’ aig saorsa, thoir uam do ’n taobh-tuath leat Mo ghaol is mo bheannachd an tràth so; Air mo dhaoine ’s a’ chaol-ghleann, an dùthaich nam fuar bheann, Air lagain ’s air cluaintean cuir fàilte, [TD 222] Is abair an cagar ri beinn ud mo chridhe, ’Bha caomh leam mar bhroilleach mo mhàthar, ’Am bàs, mar am bheatha, gu ’n tionndaidh mi rithe, ’S b’e mo mhiann dol a chadal ’na sgàile. Mo bheannachd air Dùthaich an fhraoich! Air bealaichean bòidheach nan craobh! Am barrach ’s an calltuinn a’ falach nan allt, Agus stùcan an daraich r’ an taobh! Gu ’n robh toradh, is pailteas, is buaidh, Air a pòr, aig a feudail, ’s a sluagh! Tìr àluinn nan sonn Nan stuadh-bheann ’s nan tonn, An Dùthaich a’s bòidhch’ air an t-saoghal! IOMRAM BEAN-NA-BAINNSE. Dùbh-ghorm an t-iar chuan Fo ghuirme nan speuran; Gaoth mhòr an ear-thuath Le fuar-fhead a’ séideadh; Tonnan a’ luasgadh Fo bhuaireas a’ beucadh; Eòin-mhara luaineach Mu’n cuairt orra ’g éigheach. Faic, feadh nam bàth-thonn’, A’ téarnadh ’s a’ dìreadh, Bàta ’g a sàruchadh, ’S fhada o thìr i! Féitheach na gàirdeana, Calma na daoine ’Tha nis ann an gàbhadh A’ sireadh a’ chaolais: [TD 223] Faic anns an deireadh, Le a maighdean air chòmhla, Rìbhinn nan eileana, Màiri nigh’n Dònuil; Air Raoghnull a h-aire, A dòchas a’ traoghadh,— ‘Mo thruaigh, bidh ar banais ’Measg ròd agus fhaochag!’ Smiorail na gillean, Is tàireil leo strìochdadh, Ach spionnadh na gaillinn Bheir barrachd ’s an strì so: Cho dlùth air a’ mhòr-thir, ’An sealladh an càirdean, Gun lùth tha na h-òig-fhir ’Air ùrlar a’ bhàta! Ràmh ghlac na h-òighean ’S gach dòrnag ’n an àite;— “Suas leatha ’Mhòrag, A Ghràidh!” arsa Màiri: ’Suas i do’n chamus Air barra nam bàirlinn:— Sàbhailt ’s a’ chala Tha Raòghnull is Màiri! [TD 224] AM FEASGAR ROIMH ’N CHATH. Mar thuiltean Samhraidh sgaoil caomh-thoirm na fuaim, Air brata gorm na, h-iarmailt cha robh neul; Càrnta mu oir an speur, na neòil bha ’snàmh— Baidealan òir mu ’n cuairt a’ chòmhnaird réidh, A’ dùnadh as an t-sealladh gnùis na gréin’; Bha ’n cruinne-cé gu léir fo nèamh a’ tàmh. Dh’ éirich an uiseag suas o mheasg an riasg; An doimhne dùbh-ghorm lìon i le a ceòl; Theirteadh gu’m b’ òran aingil e, air thriall, Dol seach gu tìr na glòir ud thall ’s an iar, ’S fo dhriùchd a’ chiùil, le sòlas bhrùchd mo dheòir. Oir fonn ’bu drùightiche na ceileir eòin, No luinneag mhealltach ann an aisling shèimh, Dh’ éirich o mhìltean mar o ghuth aoin bheòil; Tùis ghlan na h-ùrnuigh air son neart is treòir, Moladh is cliù o dhaoin’ do Rìgh nan Nèamh. Mar ’bhriseas air an tràigh gu binn, ’n an caoir, Bàrr-gheal na tuinn, a’ ruith ’n an sreithean dlùth ’S an Linne Sheileach, buairt’ fo chuip na gaoith’, Dhùisg gaoir na laoidh o bhuidhne farsuing sgaoilt’ Measg bhùthan geal’, air raoin, is lag, is dùn. An aoradh deireannach an taobh so ’n uaigh, An t-salm mu dheireadh ’sheinneas iad le chéil’, Mar thuiltean Samhraidh sgaoil caomh-thoirm na fuaim, Le cumhachd chaoin, gu dorsa nèimh a suas, A’ taomadh ciùin gu geatachan na gréin’. [TD 225] Sgrìobh iad an diugh am fàilt’ gu Tìr-nam-beann; An naigheachd chàirdeil ás an dachaidh, leugh; An làmh gu fiosan gràidh a stiùir am peann, Am màireach tairngidh air an nàmh an lann, ’S á feachd nan treun-fhear tillidh slàn—cia meud? Am màireach seasaidh iad, Gu buaidh no bàs! A’ Phìob—ri fuaim mar dhoinionn—air an ceann; Fo bhrataich uasal Albainn, mar is àbhaist, Seasaidh na Gàidheil a suas roimh fheachd an Nàimh, Mar chreig roimh mhìle tonn, gu làidir teann. Fois agus cadal milis do na sàir! Aig briseadh fàire éiridh iad o ’n suain, Gu bàs no buaidh théid iad a stigh do ’n bhlàr; Dùisgidh ’n a dhéigh sin éigheach ghoirt nam màthair, A’ mhèilich chruaidh an uair nach till na h-uain. A Bhuachaill’ Israeil, Rìgh na Sìth ’s a’ Ghràidh, A chuir gu buadhmhor neart gach Nàimh fo d’ bhonn, Sguab Thusa ás do chruitheachd comharradh Chàin! Lìon cridhe chlann nan daoin’ le iochd is bàigh, Nach tog aon duine làmh an aghaidh bràthaìr, ’S gu ’n rioghaich sìth gu bràth o fhonn gu fonn; TUIREADH NAN GAIDHEAL. Cluinn o dheas agus tuath glaodh gointe ’dol suas; Gaoir-mulaid nan Gàidheal ri tuireadh; An caoineadh tha cruaidh air gach fonn agus cuan, Air son Ceannard an gaoil a th’air siubhal. O àros nan àrd ann an Dùthaich nan Càrn; O’n fhàrdach ri aodann a’ chreachainn, Tha ar cinneadh ’s gach ceàrn le an anam fo spàirn, Le an cridhe ’ga fhàsgadh mu Eachann! [TD 226] O, càiribh an Laoch ann an Dùthaich an Fhraoich!— ’S ann dà-san ’bu dual a bhi càirdeil; Ann an linn a tha faoin, cliù ar sinnsear ’s ar daoin’, Chum esan a suas i gu dàicheil. Biodh e taisgte le càch ann an Talla nam Flàth; Ard-ghaisgeach an fhéile ’s a’ bhreacain; Leis na h-àrmuinn ’bha euchdail air faiche an àir, A dh’eug anns a’ bhlàr le ar feachdan. ’An Innis nam Flàth tha na Féinne a’ tàmh; Fionn àluinn, le Oscar, is Diarmad, Tha Uillin is Binn-bheul le Oisein nan dàn,— Gheibh an sàr so a leaba r’ an cliathaich! Cha’n ’eil iad air dì-chuimhn’, cha’n ’eil iad gun deò; An gnìomhan tha glòrmhor, neo-bhàsmhor. ’S iad Gàidheil mar an t-àrmunn so àros nan seòd, ’Gan sìor chumail beò ann ar làthair! G’a ionndrainn ’s ’ga chuimhneachadh leò-san a dh’fhalbh, Ainm Eachainn bidh tric air ar bilean; Gu minic a’ dearcadh le bàigh air a dhealbh, Le deòir bidh ar sùilean a’ sileadh: Is fhad’ ’s a bhios Gàidheal air uachdar an t-saoghail, Na daoine ’bhios blàth ris a’ Ghàidhlig, Cha bhi caochladh ’n an teas-ghràdh do ghaisgeach an gaoil Cha bhi Eachann air dì-chuimhn’ gu bràth leinn! [TD 227] BRISEADH NA FAIRE. 7th December, 1900. [AIR a rathad dhachaidh o Africa, chuir Iarl Roberts fios romh-làimh gu ’n tigeadh e air tìr aig Port Ealasaid aig sèa uairean ’s a’ mhadainn, agus gu ’m feumadh e tilleadh thun an t-soithich aig naoi. Chuir am baile, agus na luingis ann an Camus Algoa, iad féin an uidheam Féille gu urram a thoirt do ’n Fhear-buadh, agus Ard-Cheannard Airm Bhreatuinn. Bha daoine dubha, bha luchd-tìre nan Innsean, agus na Malays comhla ris na daoine geala, mar aon sluagh, ’nan trusgana féille a’ feitheamh gu còmhdhail a thoirt da;—ach b’ e sealladh mòr an latha, clann a’ bhaile, air raon farsuing, air mullach a’ bhràigh air am bheil am baile air a thogail. An so bha muinntir òg nan Sgoilean-Sàbaid, gach cròithlein fo chùram an luchd-teagaisg, air tional, ’nan ceudan. Rinneadh aon chrios mòr dhiubh, le lobhta-seasaimh àrd ’s a’ mheadhon air son Fear-gleusaidh a’ chiùil. Thàinig Iarl Roberts ’na charbad a stigh do ’n chrios, agus chaidh e mu ’n cuairt air, a’ labhairt briathra gliocais agus gràidh ris na leanabana agus a’ mhuinntir òg. Sheinn iad mar le aon ghuth— “A Dhé, ar Ban-rìgh glèidh,” etc. Agus an uair a thionndaidh an carbad gu falbh, chruinnich a’ chlann mu ’n cuairt da mar na seilleinean, air son crathadh d’ a làimh, agus gu ’n cuireadh e ’ainm a sìos air pàipeir dhoibh.] ’Nuair a dh’ éirich a’ ghrian Air a’ chamus fo fhiath Bu bhriagh ’luidh na soithichean mòr’ A’ tulgadh air luinn, ’S iad gu bàrraibh an croinn Mar òg mhaighdean-bainnse fo shròl. [TD 228] O gach àros air tir, O gach bothan bochd crìon, Bha suaicheantas Bhreatuinn ri srann: Cha robh smid air a ràdh, Cha robh fuaim air an t-sràid, Ach caisimeachd, ’s gliogarsaich lann. A’ marcachd nan stuadh A stigh ás a’ chuan Ruith an “Canada,” uaibhreach mar steud; Air a’ cheadha mu ’n cuairt Dh’ fheith maithean an t-sluaigh, Le an Ceannard gu rìomhach ’na éid’. Gun othail, gun fhuaim— Mar a’ ghrian ás a’ chuan— Thàin’ an sonn ris an d’ fheith iad a nìos, Dh’ éirich iolach an àigh Dhùisg mac-talla nam bràigh A’ co-fhreagairt ri muir agus tìr. “Mìle fàilte do ’n t-Sàr, O luchd-sìochaint ’s luchd-àir!”— Tha gach cridhe is teanga ag ràdh: Mìle fàilte do ’n Iarl’, O ’n Ear, Deas, is Iar; Aon an gràdh do Fhear-buadh Candahar! Tha na h-òg mhnathan-uaisl’,— Rughadh aoibh air an gruaidh— ’Tighinn le blàithean is pailme ’n a làthair; Shuas air mala na bruaich Chithear trusadh nan Uan, Gach leanaban le bratach ’n a làimh. [TD 229] Le fèith-ghàire blàth Dhearc a’ ghrian air a’ mhàgh; Clann a’ bhaile, ’nan treudan ’s a’ chrò, Uain dubha; uain donn; Le Uain gheal’ air an lòn, Le aon chridhe do ’n Aoidh a’ toirt còmh’il. Oigh an òr-fhuilt mar eala, ’Na sgèimh-éididh geala; Oigh nan Innsean le sùil mar an reul; Isean mear an dubh-aogaisg Le sìor-ghàir’ air a’ bhraoisgein, Uile ’mireag le chéil’ ’nan aon treud. Thog iad uile an ceòl, Le aon ghuth as am beòil, Do ’n aon Dia air thalamh ’s air Nèamh:— “Ar Ban-rìgh, ’s ar Crùn, Ar Pobull ’s ar Dùth’ch, Beannaich Thusa, a Thighearn’, is glèidh!” Tha ’s a’ chraoibh os ar ceann Dreollan teas’uidh ri srann, Cridh’ an t-samhraidh a’ dranndail ’s an fhonn Tha crònan ait, binn, Fàilt’ na sìth’ do ar linn, Ag éirigh gu sàmhach o ’n tonn: Tha ’n òg-mhadainn chiùin A’ dealradh ás ùr Air gorm chrios nan sléibht’ fad’ an céin; Gealladh fàire na sìth’, Madainn aonachd na tìr’, An déigh oidhche a’ bhuaireis, ’s na péin. [TD 230] [Bàn] [TD 231] DÀIN IS LAOIDHEAN EADAR-THEANGAICHTE. [TD 232] [Bàn] [TD 233] REUL-SHOLUS. Chaidh a’ Ghrian a mach air an turus mhòr M’ an cuairt do ’n t-Saoghal; ’S thuirt na Rionnagan, “Marcaichidh sinne ’n ad chòir M’ an cuairt do ’n t-Saoghal,” Ach a’ Ghrian, ’s ann a throd i riù; “Gabhaibh a steach, No loisgear ’ur sùileagan bòidheach a mach, Air a’ mharc-shlighe theinntidh m’ an t-Saoghal.” Chaidh na Rionnagan far an robh ’Ghealach shèimh, Air feadh na h-oidhch’, Ag ràdh—“Thusa ’tha ’d shuidhe air neulaibh nèimh Air feadh na h-oidhch’, Leig thusa leinn imeachd gu sàmhach ri d’ thaobh, Oir cha loisgear ar sùilean le d’ dheàrrsadh, cho caomh;” ’S thug i leath’ iad mar chuideachd ’s an oidhch’. A Rionnagan, fàilte! ’s a’ Ghealach an àigh,— Rìghinn na h-oidhch’! Na h-aignean ’tha falaicht’ am chridhe ’n an tàmh ’S léir dhuibh ’s an oidhch’; Thigibh, lasaibh gu càirdeil dhomh lòchrain an speur;— Thigibh, aislingean aoibhneis le ’r draoidheachd, gu léir, Le cuideachdan dealrach na h-oidhch’! [TD 234] GEARAN A’ BHAIRD. [“The first part of ‘Don Carlos’ being already printed, the Poet, pressed for the remainder, felt himself obliged to stay behind from an excursion which the Körner family were making on a fine Autumn day. Unluckily the lady of the house, thinking Schiller was to go along with them, had locked all the cupboards and the cellars. Schiller found himself without meat or drink, or even wood for fuel; still further exasperated by the dabbling of some washer-maids beneath his window, he produced these lines.” The poem was addressed to “The Right Honourable the Board of Washers.” Note from Carlyle’s “Life of Schiller.”] Tha plubartaich ’s na tubaichean Mu choinneamh ’n doruis mhòir so, Tha sgoileam guth nan nighean dubh’ ’S an glagartaich ’g am bhòdhradh. Bha mis’ an dùil gu ’n d’ fhuair mi cùil ’S am faighinn tacain sàmhchair ’S air druim an eich luath sgiathaich theich Gu saoghal geal na bàrdachd. Thug e mi féin gu Rìgh na Spàinn Is ghabh mi ’stigh do ’n Aros, Is thug mi ionnsuidh ’Bhana-Phrionnsa Fhaicinn, leis a’ Bhàn-righinn. [TD 235] Mar ghaoth nan speur chaidh mi ’n an déigh, A’ marcachd air mo steud-each, Is chuala mi guth Ebolì,— Cha chual’, ach, sruthladh eudaich!— Mo chreach, mo chreach! ’s ann thuit an t-each; An sealladh dh’ fhalbh gu buileach; Chaill mise ’n Spàinn le obair ghrannda Phlubartaich nan cailleach! CRONAN. Air oidhche ’bha ’n sin, ann am brògag fhiodh, Sheòl Caogan, Plaosgan is Suain Air abhainn mhòr dhealrach na Soillse, a muigh Do ’n driùchd fharsaing, dhrìlseach mar chuan:— Sheall a’ ghealach a nuas air an triùir,— “Ciod so?” ars’ i, “m’ uanagan crìon?” “Ag iasgach an sgadain air cuan na driùchd,” Fhreagair Suain gu stòlda, le ’làimh air an stiùir;— “De airgiod ’s de òr tha ar lìn!”— Thuirt Caogan, Plaosgan, is Suain. Ghàir a’ ghealach, is sheinn i duan; Iad a’ tulgail ’s a’ bhròig air an driùchd: Chum anail na h-oidhche luinn air a’ chuan, Is feum cha robh aca air siùil. B’iad na sgadain, ’s na bric na rionnagan briagh, Anns a’ mhuir so gu mear a bha ’snàmh; Ris na h-iasgairean tapaidh ud ghlaodh iad gun fhiamh, “Glacaibh sinn! Glacaibh ’n ’ur lìn sinn gu ’r miann, Cha ’n eagal leinn dubhan no ràmh Le Caogan, Plaosgan, is Suain!” [TD 236] Dh’ fhan iad fad na h-oidhche ag iasgach nan reul, As a’ chobhragaich dheàrrsagach shuas; ’S a’ mhadainn thill bàta na bròig ás an speur, ’S thug na h-iasgairean seòlta a nuas, Bha ’n turus cho bòidheach ’s gu ’n abair an sluagh Nach ’eil facal de ’n duanaig so fìor; Gur e bruadar àillidh a chunnaic na h-uain, A bhi ’g iasgach nan reul, ás a’ bhròig, air a’ chuan; Ach innsear dhuibh ainmean na trì— B’ iad Caogan, Plaosgan, is Suain. B’ iad Caogan is Plaosgan, dà shùileag bheag throm; B’ e Suain an ceannan beag òir, Le cadal a’ gleogail, ’n a thurraman crom; B’ i leaba bheag m’ eudail a’ bhròg. Dùin thusa do shùilean fo m’ chrònan, a chiall! Is seinnidh do mhàthair dhuit duan, Is seòlaidh tu mach feadh nan seallaidhean briagh, ’Am bàta na bròige, is glacaidh tu ’n t-iasg, A’ tulgail ’s a’ cheò air a’ chuan Le Caogan, Plaosgan, is Suain. AISLING AN T-SAIGHDEIR. Dh’ àithn ar trompaidean fosadh aig beul dubh na h-oidhche, Bha freiceadan dìleas nan rionnag ’s an speur, Thuit mìltean a sìos air an làr air an claoidheadh, Am beò laidh gu cadal, an leòinte gu eug. Air sopan ’s mi sìnte ’n am shuain aig a’ ghrìosaich, Le ’dheàrrsadh ’bha fuadach nam faol-chon o’n bhlàr, ’S a’ chiar mheadhon-oidhch’ thàin’ am bruadar ’bu mhìlse, Is trì uairean thill e roimh éirigh an là. [TD 237] Air frith-rath’d an fhraoch-bheinn, ar leam, bha mi ’dìreadh, ’Am dhéigh dh’ fhàg mi blàr-fhaiche uamharr a’ bhàis; Ri aodann na gréine sheas dachaidh mo shìnnsear, ’S am foghar mu ’n cuairt air ’g am fhàilteach’ le blàths. Gu h-iollagach leum mi gu lòintean nan dìthein, ’An glan mhadainn m’òige ’s am b’ uallach mo thriall; Mo ghobhair bha miogadaich shuas air na frìthean, ’S air òran nam buanaichean b’ eòlach mi riamh. Ag òl na deoch slàinte, mìl’ uair thug mi bòidean Nach fàgainn mo chàirde no m’ fhàrdach gu bràth, Mo naoidheana bòidheach, gun stad bha ’g am phògadh, ’S bha deòir mhòr a sòlais air gruaidhean mo Ghràidh. O, fan leinn! na tréig sinn! le sgìos tha thu leòinte!— ’S bu deònach a dh’ éisdeadh an saighdear ri ’n glaodh:— Ach dhùisg leis an òg-mhadainn aobhar mo bhròin-sa, Is chaochail an fhaoin-ghuth mar cheòl air a’ ghaoith. RIBHINN NA MAIGHE. Cuiribh air mo chois mi tràthail; dùisgibh tràth mi ’mhàthair ghràidh; Sona, sunndach bidh am màireach, thar gach là fad bliadhn’ is ràidh; Latha bòidheach buidhe Bealltuinn, latha ’n àbhacais ’s an àigh, Oir ’s mise ’bhios aca mar Bhan-rìghinn, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. [TD 238] Tha Mairearad is Màiri ann, is Gorm-shuile ’s Catrìon’, Ach aon de bhòichead Ailleagain, cha ’n ’eil, thuirt iad, ’s an tìr; Tha iomadh sùil mar àirneig ann, mo shùil-s’ tha ’dealradh blàth, Mar sin is mi Ban-rìghinn a’ Chéitein, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. Bidh mi cho trom ’am shuain, a Bhean, cha dùisginnse gu bràth Mur cuir sibh air mo chois mi tràth aig briseadh fann na fàir’, Oir ’s éiginn flùragan a bhuain, is fleasgan de na blàith’, Gu m’ chrùnadh mar Bhan-rìghinn a’ Chéitein,—’s i Ailleagan Rìbhinn na Màigh’. Cò chunnaic mi, an saoil sibh, ’s mi ’tighinn a nìos an gleann, Ach Rob, aig taobh na drochaid, fo’n chraoibh challtuinn, aig a ceann; ’S e ’n sealladh guineach ’thug mi dha an dé a bhios ’g a chràdh;— Ach ’s mise, ’Bhean, Ban-rìghinn a’ Chéitein, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. ’S ann a shaoil e gu’m bu tannasg mi, oir bha mi ’n éideadh geal; Ruith mi seachad air gun sanus, mar ghath soluis ann an seal; Their iad rium gur cruaidh mo chridhe, ’de ’s mò orms’ na théid a ràdh; Oir ’s mise Ban-rìghinn a’ Chéitein, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. Tha e ’dol ás, tha iad ag ràdh, le mulad ’s bristeadh-crìdh’, Ciod e sin dòmhsa ged a tha!—’s cha ghabh gu’ bheil e fìor;— Tha iomadh fear air tuilleadh rath a dh’iarradh orm mo làmh; ’S, a Bhean, tha mise ri m’ chrùnadh am màireach mar Rìbhinn na Màigh’. [TD 239] Théid Oighrig bheag am màireach leam, is sibhs’, mo Mhàthair ghaoil, ’Nuair ’chrùnas iad mar Bhan-rìghinn mi ’n ’ur làthair air an raon; Gach cìbeir òg ’s an dùthaich thig a nuas o ghleann ’s o bhràigh, Gu m’ fhaicinn-se air mo chrùnadh am màireach mar Rìbhinn na Màigh’. Mu ’n dorus tha an iadh-shlat ùr a’ fàs gu dosrach dlùth; Tha brògan gorm na cuthaige, le sòbhragan ’s gach cùil; Tha ’m bearnan-bealltuinn òrbhuidhe mar shoills’ ’an lag is màs; ’S tha mise ri chrùnadh mar Bhan-rìghinn, mar Rìbhinn bheag àillidh na Màigh’. Tha gaoth na h-oidhche ’teachd ’s a’ dol, le cagarsaich ’s an fheur; Na rionnagan ’tha ’siubhal ait, thar iarmailt ghorm gun neul! Cha dean e aon bhoinn’ uisge, ’Bhean,—chì sibh,—fad fionn an là; Bidh mis’ ann mar Bhan-rìghinn a’ Chéitein, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. Bidh an Srath air fad ’n a laidhe, ’Bhean, gu tosdach, uaine, réidh; Tha mùiseinean, is buidheagan a mach air uchd an t-sléibh’; Is ruithidh ’n t-allt a’ mireagail troimh ghleann nam flùr le gàir, ’Chionn ’s mise Ban-rìghinn a’ Chéitein, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. Feuch, mar sin, gu ’n dùisg sibh tràth mi; dùisgibh mi am màireach tràth; Cha bhi latha fad na bliadhna coltach ris le sunnd is àigh; Latha geal a chluich ’s a chùthaich, fearas-chuideachd ’s feala-dhà; ’S bidh mise ’n a mheadhon mar Bhan-rìghinn, is crùnar mi Rìbhinn na Màigh’. [TD 240] UAIGHEAN AOIN TEAGHLAICH. Gu h-àluinn dh’ fhàs iad taobh ri taobh, Aon àros lìon le àgh,— Air feadh an t-saoghail tha ’n uaighean sgaoilt’, Air magh, is cnoc, is tràigh. Aig oidhche phòg ’n aon mhàthair chaomh Gach mala òg gun ghruaim, Ghlèidh i fo ’sùil gach blàthan maoth— C’ àit’ ’bheil iad nis ’nan suain? ’Measg choilltean ciar na h-Aird-an-iar, Taobh uillt tha aon ’na thàmh— Seach air tha ’n t-Innseanach a’ triall Fo sgàil nan seudar àrd. Tha aon ’an glaic na fairge mòir’, Measg neamhnaidean a’ chuain: An Gaol,—gun chàirde caomh ’na chòir, An deòir cha ruig air ’uaigh. ’S an Airde-deas, air magh na gaisg’ Tha fear dhiubh taisgt’ le sàir; Fo chraobhan meas, ’na bhratach paisgt’, Air blàr na buadh ’s an Spàinnd. Is aon,—fo mhiortal tha i sìnt’— Shearg ise ’n tìr na gréin’; ’Measg bhlàith’ na h-Eadailt laidh i sìos, Uan deireannach an tréid. [TD 241] Sgapta mar so, aig fois tha ’chlann A chluich fo ’n aon chrann-téil’, Aig glùn aon mhàthar, ’an laoidh ’s ’an rann A thog an guth le ’chéil’. Iadsan a las an tigh le aoibh, An dachaidh ’lìon le ceòl— Mo thruaigh! b’ e ’n gaol an fhaileas fhaoin Gun Saoghal ùr nam Beò! CALANAS. “Agus shnìomh na mnathan uile a bha glic-chridheach le ’n làmhan, agus thug iad leo an ni a shnìomh iad, an gorm, agus an corcur, an scàrlaid, agus an t-anart grinn. Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas shnìomh iad fionnadh ghabhar.”— Ecsodus xxxv. 25, 26. O, air chinnt cha sgleò no bruadar, ’Bha ’s an t-sealladh ghrinn a fhuair mi, No ’s an òran bhinn a chualas ’Tigh’nn a nall á Tìr na gréin’! Fad’ air chùl nan linn a dh’ fhàg sinn, Chì mi ’null air cluain an fhàsaich, Té de nigh’na dualach Iàcoib Anns an teach, a’ snìomh, ’s a’ seinn: Taobh a teallaich, ris an lòchran, Ghabh i ’chuigeal ghleusd’ ’s an dòrnaig, Thoinn i ’n lìon ri fonn a chrònain— O, bu gheal a làmhan mìn! [TD 242] Tèaruinte, fo dhìon a’ Bhaideil, Ann ’n an suain bha càch ’n an cadal, Ach cha dual gu ’m b’ obair fhadail A bh’ ann dh’ ise, ’snìomh an lìn. Chì mi ’n Camp ’n a laidhe sàmhach, Sìth a’ rìoghachadh ’s gach pàilliun, Neul na glòir a’ cumail sgàile Mar a b’ àbhaist os an ceann; Eiridh tric an sealladh glòrmhor Air mo chrìdh’ le neart is sòlas, ’S tric a thig an duanag cheòlmhor Thairis orm, le fonn nan rann:— AN T-ORAN. O, ’s aoibhinn an obair leam ’snìomhadh an lìn, Cha dragh leam, ach sòlas, a thoinneadh gu grinn, O, ’s beannaicht’ mo chuigeal, is beannaicht’ mo làmh, ’S i obair Iehòbhah dhomh ’snìomhadh an t-snàth: O, ’s beannaicht’ mo chluas-sa a chualaig an fhuaim— Thig Dia, ’s ni E còmhnuidh am meadhon A shluaigh— Seadh, dh’ earb E ruinn Pàilliun a thogail Dha Féin, Is gheall E a làth’reachd an còmhnuidh ’bhi leinn. Cha ’n ann air son pàigheadh a bheir mi mo shaothair, Do ’n Tighearna bheir mi gu saoibhir ’s gu saor, ’S i ’Làmh-san a bhuilich na th’ agam de stòr, Tha Esan a’ frasadh a mhana mar lòn; Ar teach anns an fhàsach tha againn gun mhàl, Tha dachaidh ’n ar sealladh a mhaireas gu bràth, Tìr àluinn a gheallaidh, le bainn’ agus fìon, ’S cìr mhilis na meala a’ sruthadh a sìos. [TD 243] Cha ’n ’eil mi a’ tabhairt mo shaothair mar dhuais, Gu maitheanas pheacanna fhaotainn mar luach, Oir leagadh mo chionta air ìobairt-na-réit’, Is dh’ fhuiling ’am riochd-sa an creutair gun bheud, Gach bagradh, is tagradh an lagha tha balbh, An nochd tha ’m boc-gaibhre ’g a leigeadh air falbh, Is teichidh an ìobairt, le m’ lochd air a cheann, Gu fàsach na dì-chuimhn’, air aodann nam beann. O, bheir mi mo shaothair mar chomharradh gràidh, Do ’n Tighearn’, a shaor mi o bhi ann am thràill; Is togaidh mi ceòl Dha ’s mi ’snìomhadh an t-snàth, Oir mairidh A thròcair ’s A mhaitheas gu bràth. O, m’ anam, na dì-chuimhnich Cobhair na buadh, A Dh’ fhuasgail gu glan thu á Eiphit na truaigh, Air ùrlar an Doimhne ’rinn slighe fo d’ chois, ’S a threòraich do cheuman tre ghlaice A bhois. O, cuimhnich mar ’philleadh Leis tonnan a’ chuain, ’S na h-uaibhrich ud uile chaidh fodha mar luaidh, Na naimhdean a chìosnaich, a lot sinn, ’s a chràidh, Cha ’n fhacar a rìs iad, ach marbh air an tràigh! Air sgiathaibh na h-iolaire thogadh a Chlann, Gu searbh-uisge Mhàra, gu Elim nan crann, Gu Sìnai nan stuadh-bheinn, le ’dheatach, ’s le ’neòil, Gu éisdeachd le ’n cluasan ri briathran A bheòil. Mo chùram bha daonnan mu aodach do m’ chlann A nis tha mi saor dheth, cha chaithear na th’ ann, Tha falluinn is brògan, tha coirce nan speur, Is uisge gu leòir ann dhuinn uile gu léir; Sinn féin is ar cùram, gach dragh agus feum, Tha ’n Ti tha ’g ar stiùradh a’ gabhail air Féin, Ach an t-saorsa, ’s an fhois, cha ’n ’eil annta ach dealbh Air a mhaitheas ’tha feitheamh ’an dùthaich ar sealbh. [TD 244] O, ’s aoibhinn an obair leam toinneadh an lìn, Mar mhana cho geal e, mar shìoda cho mìn; Glèidh Thusa, a Thighearn, mo làmhan o smal, Nach toir mi air D’ obair-sa dochann no sal: Tha càch de na mnathan le dathan cho briagh Ris an speur ’nuair tha ’ghrian a’ dol fodha ’s an iar, Ach an uair a bhios snìomhadh gach té againn réidh, Théid gach snaithn’ eadar dhealaichte fhigheadh ’na chéil’. O, ’s àrd leam an smuain gu ’m bi obair mo làimh Aig Dia mar a Chòmhdach ’an Ionad a Thaimh! Tha ealdhain nam fear ann am fiodh agus òr, Ach ’s iad làmhan nam ban a bheir Sgàile d’ A Ghlòir. Mo shnaithne, ge faoin thu, cha ’n fhaod thu ’bhi balbh, Mar fhianuis mo mhiann thu ’measg shamhladh is dhealbh Mo shùil tha air Tì ’thig ri linntean an àigh Ar Sagairt, ar n-Iobairt, ar Rìgh E, ’s ar Fàidh! O, nì mi mo dhìchioll a’ snìomhadh an t-snàth, Oir ’s fheudar mo thiodhlac a thabhairt gun dàil Mu ’n abair an Tighearna,—“Fhuair Mi gu leòir, Cha ’n ’eil ann ad chuid-sa ach tuilleadh ’s a chòir!” Tha fàinneachan prìseil, tha seudan thar luach, Is sgàthanan rìomhach ’g an càrnadh mar chruaich, Is bhiodh e am feasda a’ bioradh mo chrìdh’ Na ’m bithinns’ air deireadh le obair mo Rìgh! Thoinn i ’m badan lìn gu bòidheach, Sguir a saothair, stad an crònan, Chuir i seach a h-obair còmhladh, ’S ghabh i fois ri taobh a clann, Mar na h-eòin fo sgéith na Màthar, Bha an Camp ’na laidhe sàmhach, Neul na Glòir a’ cumail sgàile, Mar a b’ àbhaist, os an ceann: [TD 245] O, tha leam nach sgleò, no bruadar, ’Bha ’s an t-sealladh ghrinn a fhuair mi, No ’s an òran bhinn a chualas Tigh’nn a nall á Tìr na gréin’! Eiridh tric an sealladh glòrmhor Air mo chridh’ le neart is sòlas, ’S tric a thig an duanag cheòlmhor Thairis orm, is mi leam fhéin! DEANAIBH FAIRE. Dh’fhaoidte gu’n tig mi g’ ad iarraidh ’N uair tha obair an latha réidh, An uair tha ’m feasgar a’ ciaradh Aig àm dol fodha na gréin’; Feasgar fada, soillseach a’ Chéitein A’ triall bhàrr na fairge chiùin, Agus smuainte a’ d’ inntinn ag éirigh Gu’m faod mo theachd-sa ’bhi dlùth: Am feadh a tha clann a’ bhaile A’ ruith mu’n cuairt ort ’s a’ leum, Ag éisdeachd ri’n cluicheachd ’s ri’n aighear Dh’fhaoidte gu’n cluinn thu mo cheum: Air an aobhar sin, Dean faire! ’San fheasgar, fo sholus nan reul, An uair ’tha na neòil a’ tarruing Am brata thar aghaidh nan speur; Na cuir an crann air an dorus Aig do thigh, Oir faodaidh, ’s an eadar-sholus, Gu’n tig mi ’stigh. [TD 246] Dh’fhaoidte aig meadhon-oidhche Gur ann a thig mi a rìs, ’N uair ’tha ’n tonn ’na tosd, agus duibhre ’N a laidhe air muir agus tìr; Duibhre gun rionnag, gun ghealach, ’S na coinnlean air an cur ás An tein’ air dol ás air gach teallach, Is gluasad cha chluinnear aig cas; Ach mar allt a’ sruthadh am falach, Fuaim na h-uaireadair làidir, bras: Na tigeadh clò-cadail air d’ anam, Eadhon ’an leigeil do sgìos A’ laidhe sìos, Aig meadhon-oidhch’ theagamh, gun sanus, Gun tig mi ’rìs. Dh’fhaoidte aig gairm a’ choilich, ’M feadh ’tha ’n oidhche gu sìobhalt’ a’ siubhal, Gu’n dean mi taghal; ’N uair ’tha ’n loch mar sgàthan fo fhiath A’ feitheamh, mu’n dealraich a’ ghrian Thar mullach nan sléibhte, Anns na glinn an ceò fuar, liath Tha fathast gun éirigh, Agus reul na maidne ’s an iar, Glas-neulach ’s na speuraibh; Feuch, tha mi ’g ràdh riut, Dean faire! Mar an talamh a’ feitheamh na gréine— Eisd le geur aire Mu’n tig ort gun fhios mo cheum-sa, Na biodh an crann air an dorus Aig do thigh, Oir dh’fhaoidte ’s an eadar-sholus, ’N uair ’tha ’n oidhche gu sìobhalt’ a’ triall, Anns a’ chamhanaich fhionnair, chiair, Gu’n tig mi ’stigh. [TD 247] Dean faire a rìs anns a’ mhadainn ’N uair ’tha ’ghrian ag éirigh ’na soills’ An tonn a’ mire ri cladach, Agus eòin ri ceòl anns a’ choill; Preasan air lasadh le plùrain, Agus anail chùbhraidh ’Tigh’nn á tùisearan luibheaibh is bhlàith’ Gach feòirnean a’ lùbadh, Le cudthrom an driùchd, gu làr: Bheir d’ obair latha ort dùsgadh, Leis na h-eòin, o d’ thàmh, Togaidh tu eallach do chùraim, Théid thu mu d’ shaothair gu sùrdail, Thig càirdean a stigh air chéìlidh, Is bheir thu do sgeul dhaibh Air gnothuichean feumail an là; Feudaidh gur Mise ’n ath charaid A thig g’ ad fharraid; Mar sin theirinn riut, Dean faire, A’ d’ thrainge bi ’g éisdeachd Gu dil air son fuaim mo chois, Crann cha bhi air an dorus, Dh’fhaoidte ’an geal an là-sholuis Gu’n tig mi g’ ad ghairm gu fois. Mar sin tha mi ’feitheamh le sùil Ris O là gu là, ’Nuair a bhoillsgeas a’ ghrian tha mo dhùil Ris, Is bidh mi ’g ràdh,— “’S e so, theagamh, dealradh a Ghnùis-san, Oir gach latha tha ’tarruing na’s dlùithe Teachd Fhir-mo-ghràidh!” Is trang aig obair an latha, Ma thig plathadh, Do neul thar m’ uinneig, tha mi ’sealltuinn Gu grad a suas [TD 248] Le fiughair, oir rinn E a ghealltainn “Thig mi gu luath!” ’S tha guth sèimh, riamh nach do mheall mi, Ri cagar a’ m’ chluais— “Tamull beag, ’s thig E g’ ad iarraidh, Tamull beag fathast thig ciaradh An fheasgair, is éirigh na gréin’, ’S an sin bheir E Leis thu, gu sìorruidh Gu ’bhi Leis Féin!” CO ’N TI, LE FONN, NACH SEINNEADH! (How can I keep from Singing!) Tha tobar beò de cheòl am chridh’ ’Measg tuireadh sgìth an t-saoghail Co-fhreagairt fàilt nan laoidhean binn, Do shaoghal nuadh nach caochail; Os cionn na gaoir, a’ chath, ’s an strì A’ cho-sheirm shiorruidh cluinnibh, ’Toirt sgéil air glòir bith-bhuan is sìth— Cò’n tì, le fonn, nach seinneadh! Toil-inntinn ’s àgh ged fhalbhadh uam, ’Se Iosa sòlas m’ anam Ged iadhadh neula tiugh m’an cuairt Dàin anns an oidhche canam: Tha sìth mo Dhé mar shruthan sèimh ’Na ìoc-shlaint ’shaor, gun ghainne, ’Se Crìosd ’is Triath air talamh ’s nèamh, Cò’n tì, le fonn, nach seinneadh! [TD 249] Tha ’n ceò a’ teicheadh ás gu luath, A dh’ fhàg na speura dubhach, Tha ’n t-slighe ’fàs na ’s réidh gach uair ’S mo cheum tha eutrom, subhach Ged thuirling trioblaid air mo chridh’ Mar shianta trom nan gleannaibh ’S le Crìosda mi—is leam-sa Crìosd! Cò’n tì, le fonn, nach seinneadh! IOSA, THOG MI MO CHRANN-CEUSAIDH. (Jesus, I my cross have taken). IOSA, thog mi mo chrann-ceusaidh Dh’ fhàg gach nì gu teachd ’ad dhéigh; Bochd is dìblidh, air mo thréigsinn, Sealbh cha mhiann leam ach Thu féin; Sgriosar orm gach cuspair glòrmhor ’Dhùisg mo rùn, no ’lìon mo chridh’, ’S leam ’s na Nèamhan oighreachd òirdheirc ’S leam mo Dhia!—Ciod bhios g’am dhìth? Cuirear cùl rium leis an t-Saoghal, Chuir e cùl ri m’ Shlànuighear gràidh! Meallaidh briathra ’s coslas dhaoin’ mi Ios’, cha mheall Thu mi gu bràth! Dearcadh orm do shùil gu bàigheil ’Dhé a’ ghliocais, treun ’an neart, ’S beag leam fuath an t-Saoghail no ’chàirdeas, Nochd do ghnùis, ’s gach nì bidh ceart. [TD 250] Thugadh daoin’ orm dragh no àmghar, Ann do bhroilleach gheibh mi dìon; Thigeadh deuchainn ghoirt gu ’m chràdhadh ’S mìls’ bhios Nèamh do m’ anam sgìth: O, cha drùigh orm bròn no dòruinn Fhad ’s nach sgarar uam do ghràdh! O, bu truagh le m’ chridh’ an sòlas Far nach biodh Tu Féin a làthair? Glac, O m’ anam, do shlàinte iomlan Eirich suas thar geilt is truaigh’! Feuch, tha d’ obair deas m’ ad thimchioll, Slighe réidh gu cath, ’s gu buaidh; Feuch, Cò E d’ Fhear-teagaisg naomha, Cò ’rinn dhìot a leanabh gaoil, Cò a cheusadh ’chum do shaoradh? Oighre Nèimh, ’s leat làn nach traoigh! ’Suas air sgiathaibh Creidimh ’s ùrnuigh’! Greas a suas o ghràs gu glòir! Dia E Féin, le ’làimh g’ ad stiùradh Dhachaidh chum a shòlais mhòir, ’S goirid ’bhios do thriall air thalamh ’S geàrr a bhios do shaothair fo’n ghréin; Dòchas ait bheir géill do shealladh, Osnaich deòir do chliù ’s do sheinn. [TD 251] LAOIDH. “A’ deanamh nan neul ’n an carbad dha Féin,” Salm, civ, 3. (O, make my clouds thy Chariots). O! dean-sa, ’Dhé, de neòil mo phéin, Luath charbadan nan speur, A thogas mi gu teach mo Rìgh, Thar iarmailt ghorm nan reul, Thar armailtean àrd-aingle treun, Seach còisir bhinn a’ chiùil, Gu soillse glan do làth’reachd Féin, A dh’ fhaotainn sàth mo rùin! Dean carbadan de neòil mo phéin, A ghiùlan m’ anma ’suas Bho dhuslach maoin an t-saoghail fhaoin, O nithe dìblidh, truagh; O’n fhéinealachd a tha ’g am chlaoidh, O fhaoineis bhaoth gun stà, Gu lànachd sìth gu bràth nach traoigh, Is àirde sìorruidh gràidh. Dean carbadan de neòil mo phéìn, ’S an ruith mo crìdh’ gach là, A chòmhnadh neach air bith fo ’n ghréin, Le caoimhneas bàigheil tlà; An cridhe brist’ a tha fo bhròn A cheangal ’suas gu sèimh, ’S a dhòrtadh air gach cneadh is leòn Saor-iocshlaint ghràsmhor nèimh! [TD 252] ’N an carbad dhuit, O! dean mo neòil, Is tuigidh mi gu luath Gur taisbein glòir a th’ anns a’ cheò Ag iathadh ort mu ’n cuairt, Bheir sgàilean ciar an fhàsaich liath Binn-òran ait o m’ bheul, Oir fàilticheam do theachd, mo Rìgh ’S gach neul a thig a’ m’ speur. DAN NAN AINGEAL. (It Came upon the Midnight Clear). AIR FONN, “Gu ’m a slàn a chì mi.” Air oidhche àluinn thuirling e— An t-òran glòrmhor àgh, Bho aingle ait, a’ dlùthachadh Le’n clàraibh-ciùil mu’n mhàgh; ‘Gloir do’n Ard-Rìgh, air talamh sìth, Deagh-ghean do dhaoin ’s gach linn’,— Gu tosdach dh’éisd an cruinne-cé Ri ainglibh Dhé a’ seinn. Feuch iad a’ téarnadh tre na neòil Air sgiathaibh caomh na sìth! Cluinn, armailt nèimh gun sgur ri ceòl Os cionn an t-saoghail sgìth! Tha iad a’ cromadh dlùth, le bàigh, Thar tìr a’ bhròin ’s na teinn, Is thairis air a’ bhuaireas àrd ’Tha aingle Dhé a’ seinn. [TD 253] Dà mhìle bliadhna ruith an cuairt Fo cho-sheirm bhinn na laoidh, Gidheadh, le eu-ceart agus fuath Tha’n saoghal air a chlaoidh; Tha daoin’ a’ cath an aghaidh dhaoin’ Le naimhdeas air an roinn, Cha chluinnear leo an t-òran gaoil ’Tha aingle Dhé a’ seinn. O, sibhs’ tha dol, le ceuma fann, Fo uallach trom a’ bhròin, Air slighe dhorcha, dhoirbh troimh ’n ghleann A fhuair, gu tric, ’ur leòn, Bi’bh ait, tha ’n uair a’ tarruing dlùth A dh’ fhnasglas sibh o phéin, O, éisdibh, taobh an rathaid sgìth, Ri ainglibh Dhé a’ seinn! Feuch, là an aoibhneis tha aig làimh Mu’n d’ rinn na fàidhean sgeul, Tha bliadhn’ na saorsa cinnteach dhuinn Mar ’ghealladh le am beul; Bheir nèamh is talamh nuadh an géill Do Rìgh na Sìth’ r’a linn, Is éiridh fonn o’n chruinne-cé, Mar aingle Dhé a’ seinn. [TD 254] SIOR LATHAIREACHD DHE. (The House of Obed-Edom). Agus dh’ fhan àirc an Tighearn’ ann an tigh Obed-Edoim a’ Ghitich trì mìosan; agus bheannaich an Tighearn’ Obed-Edom agus a thigh uile.—2 SAM., vi., 11. Am fàrdoch Obed Edoim Fhuair àirc an Tighearn’ tàmh, Am feadh, air uchd nan sléibhte, A chuireadh iomadh blàr. ’S na glinn bha bruaillean, ’s éiridh, Bha ar-a-mach ’s a’ mhagh; Air fàrdach Obed Edoim Bha sìochaint nèamhaidh ’tàmh. Le gorta anns na crìochan, Le comh-strì anns a’ champ; A’ chlann bheag fann le cìocras; Is aran cha robh ann; Na màthraichean ’g an léireadh, Ag athchuinge le deòir:— An teaghlach Obed Edoim Bha sìth is lòn gu leòir. Air machair Obed Edoim Nàmh cha do leag a shàil; Mar dhìdein teann nan treun-fhear Sheas, ciùin, a bhaideal àrd; Cha d’ thàinig càs no éiginn, Ach fios na slàint’ ’s a’ ghràis Gu còmhnuidh Obed Edoim ’S an d’ fhuaradh àit’ do ’n àirc. [TD 255] Is dh’ aithriseadh an sgeul ud Leo-san a bhà mu ’n cuairt, Tha teaghlach Obed Edoim A’ mealltainn suaimhneas buan; Tha beannachadh Iehòbhadh ’G an còmhdach, beag is mòr; A chionn ’n an àite-còmhnuidh Tha àirce Dhé na glòir. Tha gineal Obed Edoim Ri fhaotainn anns gach linn; Fo fhàrdach Obed Edoim Tha fasgadh anns gach teinn; Tha beannachdan a’ Chùmhnaint A ghnàth le àirce Dhé Do ’n duine leis an rùn e Seach maoin an t-saoghail gu léir. Buaireas cha ruig an sluagh sin ’Tha leis an àirc fo dhìon; Amhgar cha mhill an suaimhneas, Tuaileas cha bhris an sìth; Tha rath, is mùirn, is sòlas, Tha soills’ a dh’ oidhche ’s là ’S an teaghlach sin, an còmhnuidh ’S am bheil an àirc a’ tàmh. [TD 256] MIANN A’ CHRIOSDAIDH. Cha ’n iarrainn-sa fuireach air thalamh gu bràth, Na ’n tigeadh an cuireadh ’s mi ’dh’ fhalbhadh gun dàil, ’S leòir làithean ar turuis ge tearc iad is geàrr, Làn aoibhneis is mulaid, làn sòlais is cràidh. An diùltainn-sa imeachd, mar ghealtaire truagh, Leis gach Naomh air an t-slighe do ’n Dùthaich ud shuas? Am fanainn ’s an t-saoghal air aineoil, leam fhéin, ’S d’ an Dachaidh mo dhaoine a’ greasad gu léir? Cha ’n iarrainn-sa fantainn gn bràth air an t-saoghal, Le laigse ’gam leantainn ’measg fhaileasan baoth Mar an calman air faontra thar luasgadh nan tonn, Gun suaimhneas ri fhaotainn, gun bhunait fo m’ bhonn: Cha luaith ’tha mi saoilsinn gu ’n d’ thàinig an fhéith, ’S tha na neòil throma ’sgaoileadh ro’ aghaidh na gréin’, Agus bogha mo dhòchais a’ dealradh ’san speur, Na ’chaillear iad còmhla ’an duibhre gun reul. O! ’s mise nach fanadh gu bràth air an t-saoghal, Am peacadh ’gam ghonadh gun tàmh air gach taobh, ’N taobh stigh dhiom tha truailleachd ’gam leagail ’s an ùir, ’N taobh mach dhiom tha buaireadh gach latha ás ùr: Tha sòlas a’ mhaitheanais measgte le deòir, Agus copan na slàinte le ball-chrith ’ga h-òl, Tha ’n trompaid a’ séideadh àrd chaithream na buadh, Ach tha m’ anam-s’ ag éigheach an uaigneas, “mo thruaigh!” [TD 257] Cha ’n iarrainn-sa fantainn air thalamh a ghnàth, Roimh’n uaigh cha bhi geilt air mo chridhe, no sgàth, Luidh Iosa mo Shlànuighear innte gun fhiamh, ’S cha’n fhuar a bhios leamsa caomh leaba mo Thriath. Thig briseadh na fàire gu ’m mhosgladh a suas, Thig armailtean deàrrsach nan aingle a nuas, Is dùisgidh na slòigh ’tha ’san duslach ’n an suain, Gu éirigh ’thoirt còmhdhail le chéile do ’n Uan. Cò ’roghnaicheadh fantainn ’s an t-saoghal r’ a bheò? Bho ’n Tighearna daonnan air choigrich ’s an fheòil, Air falbh bho ar n-oighreachd ’tha taisgte air Nèamh, ’S na h-aimhnichean aoibhneis ’tha sruthadh gu sèimh! An sud tha na Naoimh de gach linn agus àit’ A’ cur fàilt’ air am bràithre ’an Aros a’ ghràidh, Le aingle, do ’n Ard-Rìgh a’ togail nan dàn, Oir le soillse A làth’reachd tha ’n gàirdeachas làn. Cluinn an ceòl! Cluinn na h-òrain ag éirigh gu binn! Tha saor-dhaoin’ an Tighearn’ le caithream a’ seinn! Is, gu sàmhach a’ fosgladh nan geatachan òir, Faic, an Rìgh tha ’n a mhaise a’ dealradh le glòir! Na’n robh agamsa sgiathan, ’s mi ’greasadh a suas, Gu tuiteam aig cosan m’ Fhir-saoraidh ’s mo Luaidh; Tha mi ’feitheamh A theachdaireachd, òrdugh an àigh, Haleluia—Amen—Leis an Tighearn gu bràth! [TD 258] MUINIGHINN ANN AN DIA. Do shlighean uile, ’s d’ iargain, Thoir thusa suas gu léir Dha-san a sgaoil an iarmailt ’S a chruthaich grian is reul. Fear-treòrachaidh nan saoghal ’N an cùrsa ait troimh ’n speur; Fear-stiùraidh neòil is ghaoithean, Fo d’ chois ni slighe réidh. Cha bhuannachd dhuit, le cùram A bhi ’g ad chlaoidh gun tàmh; Tre spàirn, no neart, no dùrachd, Cha toir thu buaidh gu bràth; Biodh rìoghachd Dhé, is ’Aobhar An còmhnuidh dlùth do d’ chrìdh’, Feith Airsan, is mu’n saoil thu, Do rùn-sa thig gu crìch. Do ghràs is d’ fhìrinn shìorruidh, O! ’Athair, bheir mu’n cuairt Na chì do mhaitheas fìorghlan ’Tha ceart is glic do d’ shluagh: Na roghnaich Thu d’ an taobh-san Gu cinnteach gheibh do chlann; Gun mhearachd is gun chlaonadh Coimhlìonar e ’n a àm. [TD 259] O anaim bhochd, ’tha sàruicht,’ Gabh greim air Dia gu teann: Do dheòir tha air an àireamh; Dia togaidh suas do cheann: Troimh dhoinionn doirbh, is ànradh Bheir Esan thu gu slàn; Bheir tonnan ’s gaoith’ thu sàbhailt’ Gu soillse geal an là. Suas thu! Le muinghinn làidir Leig dhiot an iomaguin throm; An campar-inntinn tràilleil A dh’ fhàg thu leòinte crom: Ged nach ’eil thusa ’riaghladh Gach cùis ’s an domhan mhòr; Aig ceann an rìoghachd tha ’n Tighearna; Ni Esan mar is còir. An riaghladh fàg ’n a Làimh-san, Liubhair do chor d’ a iùl; Bheir e gu àite-tàimh thu, Is bheir thu Dha-san cliù: Aidichidh tu le ioghnadh Gu bheil a dhòigh-san ceart; ’S gur beannaichte na daoine D’ an dòchas Dia nam feart. O! Thighearn’, air ar teanntachd Cuir Thusa ceann is crìoch! Ar làmhan neartaich,—’s fann iad;— D’ ar glùinean lag thoir clìth: Cum sinn fo d’ chùram dìleas An cian a bhios sinn beò, ’S air slighe glan na fìrinn, Stiùir sinn gu rìoghachd na glòir. [TD 260] SLIGHE LETH-UAIREACH. SALM cvii., 1-9; GNATH-FHOCAL xiv., 10; 1 COR. ii., 11. Tha doimhne uaigneach ann an cridhe dhaoin’, ’S ged robh sinn air ar cuartachadh le feachd Dhiubh-san le ’n gaolach sinn, ’s d’ an d’ thug sinn gaol, O àm gu àm tha mothachadh a’ teachd A stigh gu tiamhaidh, guineach oirnn gu léir, Gu’m bheil sinn anns an t-saoghal mhòr leinn fhéin. Air seirbh’ ar cràidh cha ruig ar caraid dlùth; D’ ar gàirdeachas mar choigrich tha luchd-dàimh. “Cha ’n ’eil aon neach a thuigeas mi gu m’ chùl, No aon le làn chomh-fhaireachdainn aig làimh!”— Gach aon fa-leth, ’s e so a ghearan cruaidh, ’Na ònrachdan air iomrall ’bhos is shuas. Cha dean e mùthadh ciod, no cò, no c’ àit’, Ar cor biodh ìosal no ar n-inbhe àrd— Do-rannsaichte an dìomhaireachd dhuinn féin— Tha beath’ is sligh’ air leth f’ ar comhair gu léir. IOB vii, 17; MATH. X., 37. Am bheil thu ’cur na ceist’, “C’ar-son ’tha ’chùis Orduichte air a’ mhodh so?” A chionn ’s e rùn An Tighearna, le ’n àill an gràdh a’s àirde An iuchair dhìomhair thun gach cùil d’ar nàdur A ghléidheadh ann d’a làmhan féin gu sàbhailt’. Tha ’n ionndrainn so a’ fosgladh Dha ar cridh’; Tha E a’ tighinn a stigh, ’s le lànachd sìth, A’ beannachadh an anaim chràitich sgìth. [TD 261] ’S e ’m fadal tiamhaidh so guth caoimhneil Chrìosd; A chuireadh gràsmhor, “Thig ’am ionnsuidh ’rìs.” Gach uair a tha thu air do thogail ceàrr, N’am fadal a’ cur ás duit, tog do shùil Mar fhreagar’ Ris-san ’tha ’n a chobhair dlùth. ’S e Ios’ a mhàin a shàsuicheas ar gràdh; Iadsan ’tha ’g imeachd leis o là gu là Cha bhi an slighe leth-uaireach gu bràth. ISA. xlviii., 16 ; SALM xxxiv., 22. Am bheil thu fo chrann-ceusaidh éiginn crom, ’S ag ràdh riut féin—“Tha ’n eallach so cho trom Nach comasach dhomh ’giùlan ceart leam fhéin”— Tha ’n fhìrinn agad: Do dheuchainn rinneadh geur A chum gu ’n leig thu d’ uile thaic air Crìosd; Tha’n luchd a tha thu ’giùlan thar do neart, ’S i d’ airc a ghuth a’ gairm riut “Thig a rìs!” Do chaoidh, nach ’eil thu air do thuigsinn ceart, ’S e’n teachdair’ dìomhair thun do chridh’ o’n Righ— Cha ’n urrainn duit tighinn tuille ’s tric gu Ios’. Air ’fheuchainm mar sinn féin ’s na h-uile dòigh, Tuigidh an “duine dhoilgheasan—eòlach air bròn,” An ni nach tuig neach eile, Thig matà, Cha ’n urrainn duit tighinn tuille ’s dlùth ’n a làthair. Tha aon mhac Dhé làn cumhachd, iochd is gràidh, A làthaireachd-san a mhàin bheir fois is sàth: Imich ’n a chuideachd-san o là gu là, ’S do shlighe cha bhi leth-uaireach gu bràth. [SALM cvii.—Anns a’ Bheurla ’s e “slighe leth-uaireach” a th’ ann; tha sinn leinn fhéin oirre: Anns a’ Ghàidhlig ’s e “slighe uaigneach” air am bheil sinn: Anns a’ Ghearmailteach ’s e “slighe neo-réidhtichte, cha’n e rathad mòr an Rìgh a th’ ann, ach slighe gharbh. Tha brìgh shonruichte anns na trì facail fa-leth, dhuinn uile.] [TD 262] LAOIDH LUTHEIR. Is daingneach diongmhalta ar Dia, Is taght’ an sgiath ’s an sleagh E. ’S na h-uile càs is trioblaid riamh Dhuinn slighe tèaruint’ gheibh E. Leagt’ tha ar seann droch Nàmh ’N ar caramh gu ’bhi ’n sàs, ’S leis cumhachd mòr, is foill, Mar acfhuinn-cath na h-oillt, A leith-bhreac-san cha ’n fhaighear. Le ’r tapadh féin cha deanar nì, Ghrad-chailleamaid a’ chòmhrag, Ach tha ’m Fear ceart ’n ar n-àit’ a’ strì Thug Dia E Féin a’ chòir Dha. Bu mhath leat ’ainm ’s cò E? Iosa, Aon Ungta Dhé, Mac Tighearna nan sluagh, Neach eile cha toir buaidh, ’S dual Dha am blàr a bhuidhinn. ’S ged robh an saoghal de dheamhain làn, G’ ar slugadh slàn air bhoile, Cha chuir iad eagal oirnn no sgàth, Théid leinn gu math ge b’ oil leò: ’S na caomhnadh Prionns’ an t-saoghail Colg a chur air nach faoin, Cha dean e cron air nì, Oir feuch, a’ bhinn tha sgrìobht’, Bheir focal e gu neo-ni. [TD 263] Am Focal beò sin gheibh e fàs, ’S gun taing dhaibh uile seasaidh; Tha ’n Spiorad leinn le gibhtean gràis, Na rùintean sìorruidh greasaidh. ’S ged chreachar uainn na th’ ann,— Maoin, onair, bean is clann, Is coluinn,—ciod an call? Is leinn mu dheireadh thall Rìoghachd sheasmhach Dhé mar chuibhrionn. EARB ’AN DIA, ’S GU H-IONRAIC GLUAIS. Trom fo neul ged bhiodh do chridhe, Cum, a Bhràthair, do mhisneach ’suas! Stiùraidh reul-na-h-iùil do shlighe;— Earb ’an Dia, ’s gu h-ionraic gluais. Biodh an rathad fada, cianail, Biodh a’ chrìoch am folach uait, Coisich e gu sunndach, ciallach, Earb ’an Dia ’s gu h-ionraic gluais. Na cuir earbsa ann ad mhiannaibh, Ri ’n guth binn na aom do chluais; No droch nòs, ged chleachta riamh e,— Earb ’an Dia, ’s gu h-ionraic gluais. Riaghailt shoilleir, stiùradh cinnteach, Suaimhneas inntinn, neart ’s gach uair, Reul o ’n àird’ air slighe ’n t-simplidh— Earb ’an Dia ’s gu h-ionraic gluais. [TD 264] Cuid bheir gaol dhuit, cuid bheir fuath dhuit, ’S cuid ni tionndadh uait gu fuar; Tog do shùil gu buileach uapa— Earb ’an Dia, ’s gu h-ionraic gluais. ’Sìos gach eucoir ’s obair fhealltach, ’Sìos na bheir do ’n t-solus fuath! Ann an soirbheachadh no’n calltachd, Earb ’an Dia, ’s gu h-ionraic gluais. Na cuir d’earbs’ ’an Ceannard Pobuill, Aidmheil créud’, no comunn sluaigh, Ach ’an smuaint, ’an gnìomh, ’s ’am focal, Earb ’an Dia, ’s gu h-ionraic gluais. LANACHD SLAINTE. Lànachd slàinte! Lànachd slàinte! Feuch an tobar fosgailt’ saor, The e ’ruith á taobh an t-Slànuigheir Do gach dùil air aghaidh ’n t-saoghail, Lànachd slàinte, Tobar gràis a chaoidh nach traoigh. O, nach àrd an t-eòlas àghmhor, Glanaidh ’n Fhuil gach neach le ’m miann, Sal ar ciont, ’s ar peacaidh ghràineil, Nighidh geal mar sneachd nan sliabh: Lànachd slàinte, Sgeul a’s feàrr a chualas riamh. [TD 265] Ruigidh ’n t-slàint’ so smior is àirnean, Neart a’ pheacaidh brisidh nuas, Glèidhidh e gach ceàrn de m’ nàdur Glan ’an rùn, ’an gnìomh, ’s ’an smuain, Lànachd slàinte Ann an Crìosd gach latha ’s uair. Beatha nèamhaidh, shaor, neo-bhàsmhor, Dia is daoin’ tha aointe, réidh, Gabhaidh E, tré ’n Spiorad ghràsmhor Fàrdach ann am choluinn cré, Lànachd slàinte, Beatha nuadh ’am fàbhar Dhé, Teicheadh teagamh, ’s eagal tràilleil Cùram ’s geilt a nis cha chràidh; Oir gach là, leis an là-màireach, Tha ’an làmhan Fear mo ghràidh; Lànachd slàinte Ann an Crìosd an diugh ’s gu bràth! SGEUL A’ GHRAIS. O! canamaid a rìs an sgeul Mu lànachd sìorruidh gràis; Cha’n fhàsainn sgìth de chuir an céill Mo theasraiginn o ’n bhàs. Séist.— Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cliù gràis ar Dé, cho saor ’s cho mòr, Cha d’innseadh leth an sgeòil. [TD 266] Cha b’aithne riamh do m’anam tàmh, Cha d’fhuair mi suaimhneas crìdh’ Mu’n d’rug mo chluas air tàladh sèimh Guth aingeal caomh na sìth. Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cliù sìth ar Dé, cho làn ’s cho mòr, Cha d’innseadh leth an sgeòil. Aig cosan Ios’ ’nam luidhe strìochdt’, Sud ionad-tàimh mo ghaoil, Is oibreacheadh ’n a thigh ’s ’n a rìoghachd, ’S e m’ aoibhneas mòr ’s an t-saoghal. Cha d’innseadh leth an sgeòil Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cliù aoibhneis Dhé, cho làn ’s cho mòr, Cha d’innseadh leth an sgeòil. Is O, nach ait a bhios e, shuas Le feachd nan nèamhan àrd’ Mo ghuth a thogail leò, a’luaidh Air iongantais a ghràidh. Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cha d’innseadh leth an sgeòil, Cliù gràidh ar Dé, cho ’s saor ’s cho mòr, Cha d’innseadh leth an sgeòil. [TD 267] AN EAGLAIS AGUS AN SAOGHAL. B’ fhada o chéile ’bha ’n Eaglais ’s an Saoghal Ag imeachd air slighe nan Linn, Bha ’n Saoghal a’ canntaireachd dhuanagan faoin’, Ghabh an Eaglais laoidhean grinn’. Ris an Eaglais òg rinn an saoghal glaodh— A nall dhomh, mo chaileag, do làmh! Ach dh’ fholaich an Oigh a làmh gheal, chaoin, Is fhreagair, Cha tabhair gu bràth! Is mise nach coisich am feasda ri d’ thaobh, ’S cha toirinn do d’ leithid mo làmh, Tha d’fhocal ’s do ghealladh neo-sheasmhach mar ghaoith, ’S è crìoch do shlighe, am bàs. Air d’ athais, a Rùin, ars’ an Saoghal le aoibh, Tha mo shlighe-sa daonnan réidh, Tha e socair air lòn, ’s fo sgàile nan craobh, Is bòidheach ’an aodann na gréin; Do shlighe-s’ tha doirbh, rath’d-mòr an Rìgh Tha dubharach, cumhann, garbh, Cha ’n fhaighear ann measan le blas is brìgh, Ach luibhean goirt, òthraiseach, searbh; Tha mo shlighe-sa farsuing, is gorm mo speur, Mo bheatha gun saothair, gun dìth; Do shlighe-s’ tha dochair, feadh dhrisean geur, ’S do chasan tha leòinte, sgìth. Thoir sealladh a nall, agus chì thu féin, Gu ’m bheil na thubhairt mi fìor, Tha àite gu leòir dhuinn coiseachd le chéil’ Air an t-slighe ’tha bòidheach, mìn. [TD 268] Thug an Eaglais leth shùil’ an aodann an t-Saoghail, Ghabh i ceum na bu dlùithe le sgàth; ’S mu dheireadh, a’ coiseachd leis, taobh ri taobh, A làmh ghlan, ghrinn thug i dha: Thug an Saoghal sùil air a trusgan gun smal ’S thuirt e rithe ’an cagar sèimh, Tha d’ éide neo-fhasanta, simplidh, geal, Cha fhreagair e d’ uaisle ’s do sgèimh; Sgeadaichinn-s’ thu le sìoda ’s le sròl, Bhiodh seudan mu d’ mhuineal, ’s a’ d’ chluais, Is usgraiehean loinnreach ’n ad chamagan òir; Cha chòrd thu mar so rium, lom, fuar: Thug tàir an t-Saoghail an rudhadh ’n a gruaidh A deise gheal thilg i air cùl, Is chòmhdaich an Saoghal le trusgan nuadh, O mhullach gu bonn i ás ùr; Chas i a gruag, air a broilleach bha ròs, Le sìoda, ’s le nèamhnaidean briagh; ’S ann ’theireadh a màthair na’m faiceadh i’n òigh, Nach b’ aithne dhi ’m boirionnach riamh. Tha do thigh tuille ’s dìblidh, cha ’n ’eil e ’tighinn rium, Ars’ an Saoghal uaibhreach, mòr; Ach togaidh mi tigh dhuit, ma leigeas tu leam, Gu rìomhach, àrd, mar is còir. Thog e dhi tigh mar a lùchairt féin, Maiseach bha e, is àrd, Le àirneis da réir, le sàr obair-ghréis, Agus brataichean tiugh air a bhlàr: An sin thog i a mic, agus nigheanan òg’, Neo-ar-thaing rithe féin bha iad briagh, Thug an Saoghal a stigh dhoibh a chluichean, ’s a cheòl, ’S ghlèidh e faidhrichean, ’s cleasan gu ’m miann An ionad na h-ùrnuigh, ’s an cluinnte gu tric Faoin òran ’g a thogail le séist; [TD 269] Anns na seòmraichean còmhladh, a nigheanan ’s am mic, ’S a ghlagaraich thairis air féisd. Thug i suidheagain shocair, le cluasagan maoth’, Do ’n dream a bha mòr aig an t-Saoghal; Ach an t-ainnis, ’s am bochd, no an t-anam ’bha caoidh, Gu suarach chuir ise ’leth-taobh: Thàinig Aingeal na Tròcair g’ a h-ionnsuidh a nuas, “Air do pheacadh,” ars’ esan, “gabh fios,” Le osunn thionndaidh an Eaglais mu’n cuairt Gu a teaghlach a philleadh o sgrios. Ach pàirt de ’n òigridh bha ’mach aig a’ bhàl Is pàirt diubh ’an tigh mòr nan cleas, Bha cuid ’s an tigh-òsda ’nan suidhe ag òl ’S gu pilleadh cha robh iad cho deas. Cha ’n eagal do ’n chlann, ’s gur dù dhoibh ’bhi mear, Ars’ an Saoghal carach ’n a cluais, Cha ’n fhuiling iad srian ’bhi gun tàmh air gach car, Cha ’n ’eil coire no cron anns na h-Uain! Thog e ’làmh air a ghàirdean, dh’ fhalbh i leis, Gun suim, gun chùram m’ a clann, Thug e sìos i do ’n ghàradh a thional nam meas A bha lùbadh nan geug air gach crann. Bha mìltean de anmaibh prìseil ’g an sgrios, Gun duine ag amharc ’nan déigh, Am feadh a bha ise ’measg bhlàthan ’s an lios, A’ gabhail toil-inntinn, ’s a’ ghréin. Ars’ an saoghal a rìs; Tha gach ministeir riamh Cho reasgach ’na chainnt, is neo-ghrinn, ’S ann a tha iad a’ cumail a’ phobuill fo fhiamh, ’S toigh leam briathra ’tha mìn, milis, binn, Air peacadh, is aithreachas tha iad a ghnàth: Air cunnart is peanas nan daoi, Is àite nach ainmaichinn ann ad làthair— An teine nach mùchar a chaoidh. [TD 270] Tha Dia uile-thròcaireach, gaolach m’ a chloinn, Gun chrìoch tha a mhaitheas, is iochd, ’S an saoil thu gu ’n deanadh E ’theaghlach a roinn, ’S gu ’n tilgeadh E leth dhiubh do ’n t-slochd? Gheibh mise luchd-teagaisg ’tha fòghluimte, sèimh, Gu bràth nach cuir crith air ar feòil, A their gu ’m bheil sinn a’ dol uile do nèamh, Is mu dhroch rud nach fosgail am beòil. Chaidh na seann daoine dìleas ’chur buileach air cùl, A dh’ innseadh an fhìrinn gun bhreug, Is chluinnt’ ás na crannagan faoin-shoisgeul ùr, A rinn ’n ar clann mhath sinn gu léir. Tha thu tuilleadh is tabhartach, ars’ an saoghal; Tha cuimse ri ’chur air ar n-iochd; Cha ’n ’eil e mar-fhiachaibh ’bhi sgapadh ar maoin Air gach creutair a ni ruinn beul-bochd: Nach bitheanta ’chaidh thu ás eugmhais deagh lòn, ’Chum tràth thoirt do bhantraich ’n a feum? Chaidh do theaghlach ’an deiseachan suarach gu leòir Gu tuille ’thoirt seachad ’an déirc. Ach chithinnse ceartas aig muinntir mo thigh’ An toiseach, bho mhullach gu bròg, Mu’m faigheadh luchd-aineoil uam uibhir ri bloigh, No mu ’m fosglainn sporan no dòrn; Cuir fìon, is gach eireachdas eil’ air do bhòrd, A gheibhear le airgiod is òr, Oir feumar mo chlann-sa a cheannach le sògh, Ma ’s math leat an cumail ’n ad chòir: Tha thu ceart, ’ars an Eaglais, gabhar do rath, A’ chùis so théid amharc ’na dhéigh, Cha bhi mi na ’s fhaide air coigrich a’ sgath An nì ’bhiodh ’n a bhuannachd dhuinn féin. Am bochd chaidh a thionndadh o ’n dorus le tàir, O ’n dìlleachdan dh’ fholaich i ’gnùis, [TD 271] A sgiurt fada sìoda a’ sguabadh a’ bhlàir Air bantraich cha toireadh i sùil: Tha mi saoibhir a nis, mo sporan tha làn, Ars’ an Eaglais:—cha ’n fhaic mi dìth, Cha ’n ’eil dad ri ’dheanamh, is gabhaidh mi tàmh ’S toil-inntinn gu sàth mo chrìdh’ Ars’ an saoghal ris féin, le caogadh d’ a shùil, Tha ’n Eaglais air tuiteam gu làr! An Eaglais àillidh! ’S tha ’n creutair gun tùr A’ deanamh sàr uaill ás a nàir! Thug Aingeal na Tròcair a suas an sgeul Do chùirt nam flaitheas, le caoidh; Luchd nan òran, dh’fholaich an aghaidh le ’n sgéith, ’S thàinig stad air co-sheirm nan laoidh: Thàinig guth a nuas o ’n chathair-rìgh, Am feadh a bha tosd air nèamh,— Is aithne dhomh d’ oibre, ’an smuaint’ ’s ’an gnìomh, Is mar a chaill thu do sgèimh: Tha thu ’g ràdh, Tha mi saoibhir, cha ’n fhaic mi dìth, Cha do ghabh thu aithn’ air do lochd, Cha ’n fhios duit gu ’m bheil thu ’am làthair-sa gun chlì Dall, aineolach, lomnochd, bochd, Thionndaidh thu o m’ rabhadh le spìd, Is chuir thu air cùl mo ghràs, Mar sin, tha d’ ainm, a bha ’m leabhar sgrìobht’ Air a dhùbhadh o m’ chuimhne gu bràth! [TD 272] LAOIDH NA RIOGHACHD. Fàilt’, mìle fàilt’ do ’n Rìgh; Slàinte, deagh-shlàint’ do ’n Rìgh; Gràs Dhé do ’n Rìgh: Crùn Thus’ e, ’Dhé, le glòir; Crùn e le gràdh a shlòigh; Guidheadh ar crìdh’ ’s ar beòil, Deagh-shlàint, do ’n Rìgh! Eirich, a Thriath nam feart; Eirich, a Dhé ar neart; Do ’n Righ thoir sìth: Tog Thusa suas do Làmh, Buadhaich thar neart gach nàmh, Deònaich do ’n Rìoghachd tàmh Rè làith’ an Rìgh! Tiodhlacan maith do stòir, Gu fialaidh saoibhir dòirt Air ceann an Rìgh: Gu ’n dìon e ’n lagh ’s gach teinn; Rath fior gu ’m bi r’ a linn; A shlòigh gu sìor gu ’n seinn— Deagh-shlàint do ’n Rìgh! [TD 273] LAOIDH COISRIGEIDH. “Na bitheadh eagal ort, oir shaor mise thu; is leamsa thu” (Isa. xliii. 1). “Is leat mise—saor mi” (Salm cxix. 94)—“Uile nithe air son Iosa”—(Phil. iii. 8). Gabh ri m’ bheatha, O a Dhé, Biodh i coisrigte Dhuit Féin; Gabh ri m’ làithean, biodh gach uair Làn de chliù, air D’ ainm a’ luaidh: Gabh ri m’ làmhan; rùn Do ghràidh Oibricheadh iad Dhuit a ghnàth; Gabh ri m’ chosan, biodh gach ceum Maiseach, deas aig àm an fheum; Gabh ri m’ ghuth, is seinnidh mì ’Ghnàth ’s a mhàin air son mo Rìgh; Gabh ri m’ bhilean, lìon le sgeul Do naomh-theachdaireachd mo bheul; Gabh ri m’ airgiod, is ri m’ òr, Bonn cha ghlèidhinn Uait de m’ stòr; Gabh ri buaidhean m’ inntinn, gleus Gu do sheirbheis iad gu léir; Gabh mo thoil an glaic Do làimh, ’S i Do thoil-s’ a h-ionad tàimh; [TD 274] Gabh ri m’ aigne, biodh mo chridh’ Dhuit, mo Thriath, ’n a chaithir-rìgh; Gabh ri m’ ghràdh is dòrtaidh mì M’ ionmhas aig Do chosaibh sìos; ’S Leat mi ’chòmhnaidh, ’s Leat mi ’mhàin, Gabh GU H-IOMLAN rium Dhuit Féin. SITH IOMLAN. “Gleidhidh tu esan ann an síth iomlan aig am bheil ’inntinn suidhichte ort, a chionn gu’n do chuir e a dhòchas annad.”—Isa. xxvi. 3. Sìth! lànachd sìth! ’an saoghal aingidh truagh? Tha fuil an Uain a’ labhairt sith bith-bhuan. Sìth! lànachd sìth! le uallach cùraim sgìth? Toil Ios’ a choimhlionadh, is fois, is sìth. Sìth! lànachd sìth! ’s am bròn mar chuaintean àrd’? Tha fèith fo fhasgadh Carraig mhòir nan Al. Sìth! lànachd sìth! le càirde gaoil ’an céin? ’An Ios’ tha iadsan tèaruint’ mar sinn féin. Sìth! lànachd sìth! ’s gach ceum d’ar triall fo neul? ’S e Ios’ an còmhnaidh ar Fear-ìùil, ’s ar Reul. Sìth! lànachd sìth! le sgàil a’ bhàis mu’n cuairt? Thar uile chumhachd bàis fhuair Iosa buaidh. Is leòir leinn e! Is gèarr a bhios ar strì, ’S bheir Ios’ E Féin dhuinn lànachd iomlain sìth. [TD 275] A’ CHAORA CHAILLTE. (The Ninety and Nine). Còig fichead ach aon de chaoirich ’s de dh’ uain Bha tèaraint’ am fasgadh a’ chrò; Ach bha h-aon a mach aìr na beanntan fuar; Fad ás o na geatachan òir; Air falbh air na sléibhtean fàsail, garbh, Bho chùram a’ Bhuachaille chaoimh air falbh. “A Thighearn’, cha d’ fhalbh ach aon de ’n cheud; Nach suarach na tha ’g ad dhìth?” Ach fhreagair am Buachaille, “Theich o m’ threud An t-aon so air seachran sgìth; Tha’ n rathad doirbh, tha na tuiltean bras, Ach siridh mi i air na beanntan cas.” Cha robh fhios aig a mhuinntir shaorta riamh Cho àrd ’s a bha tuil nan allt; No air oillt na h-oidhche troimh ’n deach’ an Triath Mu’n d’ fhuair e a chaora ’bha caillt’, Chual’ e a glaodh air na sléibhtean fàs— Tinn, air toirt thairis, is dlùth do ’n bhàs. “A Thighearn’, cia ás an fhuil air an raon, Gach taobh a dh’ imich do chas?” “Air son aon a bh’ air seachran thuit gach braon, Mn’n d’ fhuair mi a thilleadh air ais,” “C’ uim’ tha do làmhan, a Thighearn’, cho reubt’?” “Chaidh an lot gu tric leis an droighionn gheur.” [TD 276] Ach dhùisg mac-talla nan sléibhtean mòr’, Is fhreagair gach creag is allt Glaodh aoibhinn a ràinig na geatachan òir,— “Bibh ait, fhuair mi ’chaora ’bha caillt’!” ’S cho-fhreagair na h-aingle ri caithream na buadh, “Bithibh ait, fhuair an Tighearn’ am fògarach truagh!” LAOIDH DO’N CHLOINN. Tha leam ’nuair a leughas mi sgeul binn a ghràis, Mu Ios’ anns an t-saoghal air feadh dhaoin’, Mar a ghairm E na pàisdean mar uain bheag’ a ghràidh; Gur ann leamsa a b’àill ’bhi r’a thaobh! O, b’àill leam gu’n cuireadh E ’làmh air mo cheann; Mu’n cuairt orm a ghàirdeanan caomh; ’S gu’n cluinninn a ghuth ’n uair a ghairm E a chlann,— “Na bacaibh na naoidheanan maoth!” Ach faodaidh mi tighinn g’a ionnsuidh gu saor; ’S a bheannachadh iarraidh gach uair, Oir caochladh cha d’ thàinig ’s cha tig air a ghràdh, Is cluinnidh, is chì mi E shuas. Tha iom’ àite-còmhnuidh, ’an tìr ud na glòir, ’G an sìor chur an òrdugh d’ a shluagh; Is gheibh a’ chlann bheaga annt’ àite gu leòir, Oir diubhsan tha ’n rìoghachd bith-bhuan. Gidheadh, tha na mìltean air seachran gu truagh, Nach cuala mu’n dachaidh sin riamh; Bu mhath leam gu’n innsteadh an sgeul daibh gu luath, Gu’m bheil Iosa ’g an cuireadh gu fial. Tha fadal mo chridh’ orm gu’n tigeadh a bhliadhn’,— An linn sin is miannaicht’ ’s is feàrr,— ’Nuair ’thig clann bheag’ an t-saoghail o’n ear is o’n iar, A’ dròbhadh gu Ios’ ás gach ceàrn. [TD 277] FATH-SGRÌOBHADH. [TD 278] [Bàn] [TD 279] FATH-SGRÌOBHADH. “CLACH NA LÀNAIN.” Tha Clach na Lànain aig Grìobunn, mar a tha air innseadh. Dh’fheuch mi, ach gu dìomhain, beul-aithris na dùthcha fhaotainn mu thimchioll a’ chàraid òig a tha foipe. Mar sin rinn mi suas an sgeul de nithean a bha fios agam a thachair, còmhla ris na sean mhodhanna, agus an caithe beatha a bha muinntir a’ cleachdadh ri m’ òige. Chuir mi an naigheachd ’am beul seana bhean Mhuileach; mar sin ghabh cuid de dhaoine ’n am beachd gu robh i mu ’n teaghlach d’ am buin mi. Cha ’n ann mar sin idir a tha. Rugadh is thogadh mi fhéin, agus na daoine o’n d’ thàinig mi, an Latharna. “MÒRAG.” Chaidh sgeul Mòraig innseadh dhomh le bantrach a mic. Fhuair mi na leanas o shean duine aig an robh fearann air an abhainn Clarence, New South Wales. Rugadh e ’s an Apuinn, agus b’aithne dha an duin’ aig Mòrag gu math. B’ ainm do ’n t-sean duine Uilleam MacGriogair. Dh’fhàg an teaghlach aige an Apuinn ’s a’ bhliadhna 1846. Chaochail e o chionn bliadhna. B’e Pàruig Mac Thòmais ainm an duin’ aig Mòrag. Bha e sèa-bliadhna-deug a dh’ aois an uair a bha e aig blàr Chuil-Fhodair, a’ toirt an aire do threalaichean a mhaighstir. Bha e cho crùbta, seargta le aois an uair a bu chuimhne le Uilleam MacGriogair e, gu ’n robh a bhata na b’àirde na e fhéin. B’àbhaist da tighinn agus seasamh air meadhon ùrlar a’ chitsin, a’ gabhail greim daingeann air a bhata le a dhà làimh, agus air chrith le anmhuinneachd, o mhullach gu bonn. [TD 280] Na’n abradh duine diog an aghaidh Prionnsa Tearlach, gheibheadh e bata Phàruig tarsuing air a ghuailne leis na bha de neart air fhàgail ’n a làimh. Leis cho sean ’s a bha e, bha e mion-eòlach air na h-àitean a b’fheàrr air son iasgaich. Bhiodh bràithrean Uilleam daonnan a’ dol còmhla ris a dh’ iasgach. Gu dearbh, bha fios aca nach b’ fhiach e ’n t-saothair dol ann, an latha nach rachadh Pàruig ann. Bha iad leis aig aon àm aig na sgeirean eadar an Sìdhean agus Liosmòr, agus an t-iasg a’ gabhail gu ro-mhath, an uair a ghlaodh Pàruig riù na h-uile rud a thrusadh ri chéile an cabhaig agus deanamh air an Rudh-gharbh cho luath ’s a b’ urrainn daibh. Cha b’ urrainn do na bràithrean a thuigsinn ciod a bu chiall da, ach thug iad ùmhlachd d’ a òrdugh. An uair a fhuair iad air tìr, dh’ innis e dhaibh gu’m fac’ e bàta gun seòl gun ràmh a’ tighinn, agus teine ’n taobh a stigh dhi. Bha so mu ’n robh soitheach smùide riamh ’s a’ cheàrna sin. An uair a dh’ fhàg na Griogaraich sin an Apuinn, air daibh fearann a ghabhail ’s a’ Mhorairne ’an 1846,—air do Uilleam a bhi dusan bliadhna dh’ aois—bha Pàruig fathast beò, ’an Gortain-an-Leathaid. B’ e ’m fios mu dheireadh a fhuair iad uime gu’n robh e beò, agus ’n a shlàinte, an 1848. Dheanadh sin gu’n robh Pàruig 117 bliadhna dh’ aois aig an àm. Cha chual’ iad c’uin a shiubhail e. Dh’ fhairich mi am feadh a bha Uilleam còir ag innseadh na h-eachdraidh so, gu ’n robh mi a’ ruigeachd thairis air mo linn fhéin gu Cuil-Fhodair; agus thug e toileachadh sonruichte dhomh. B’ aithne do m’ mhàthair duine leis am bu chuimhne ’bhi air a thogail air gualann cuideiginn gu sealltainn air a’ Mhorairne ri theine, fo órdugh an fhir-chasgraidh Cumberland; ach cha robh an duine sin ach ceithir bliadhna dh’aois aig an àm. [TD 281] CLOINN CHALUIM CHOLAGAINN. Faic “Duilleag á Linn mo Sheanamhar.” Mu’n deachaidh bliadhna thairis, bha ’chuid a bu mhotha do theaghlach Mhic Caluim ’s a’ Chill. Bha dà thriath aig an robh a’ mhiann am fearann fhaighinn, ach bha e ás an comas a thoirt o ’n teaghlach a dh’ aindeoin. Ach fhuair iad a mach an dòigh. Chuir MacDhùghaill a mhac air mhacalas do Cholagainn; agus rinn Mac Mhaoilean Chnapadal an ni ceudna. Thàinig an t-àm gu ’n robh mac Mhic Mhaoilean ri dol dachaidh, ’s cha bhiodh Mac Calum an aghaidh am fearann a thoirt da-san. Ach bha Mac Dhùghaill na bu dlùithe làimh, bhiodh e na bu tèaruinte esan a shàsachadh!— Chuireadh Mac Mhaoilean òg dhachaidh le fichead mart, agus tarbh, agus gràinnean chaorach. Ghabh Fear Chnapadal feirg. Chuir e daoine uaith a dheanamh dìoghaltas air Mac Calum. Chunnaic a theaghlach an luchd-dìoghaltais a’ tighinn, agus thuig iad ciod a bh’ air an aire. Chuir iad an sean duine breòite am falach air an fharadh. Ach thàinig na h-eascairdean a stigh, agus rùraich iad shìos is shuas gus an d’ fhuair iad e. B’ ann le ’m biodagan a rothail iad bharr an fharaidh e. ———— Air do na mic fhaicinn gu ’n robh cùisean a’ dol ’nan aghaidh, rinn iad suas an inntinn gu dol do àite eile. Chuir iad gad air na h-eich aca, ’s bha e rompa sgaradh o chéile far an tigeadh an gad bhàrr a’ cheud each. Thàinig a cheud fhear dheth aig Cladh, an Cille-Bhrìghde, agus dh’ fhàg iad beannachd aig a’ chéile ’n sin. Dh’ fhalbh fear do Ghleann Urachaidh, agus chaidh am fear eile do Chinntìre. [TD 282] Bha na teaghlaichean a’ cur fios gu ’chéile air gach cothrom a thigeadh ’n an rathad. Chuir iad rompa dol a dh’ fhaicinn a’ chéile, agus chuireadh air falbh deich-ar-fhichead fear air gach taobh. Choinnich an dà bhuidheann aig Sliabh-an-tuim, an Craignis. Cha ghabhadh buidheann seach buidheann diubh an taobh tuath do ’n t-Sliabh, agus strìochdadh cha deanadh iad. An sin thòisich a’ chomh-strìth. Rinn iad sadadh air a’ chéile gus nach robh ach aon air gach taobh air fhàgail. Aig a sin, dh’ fheòraich iad ainmean a’ chéile! O ’n latha sin gus a nis, theirear “Sliochd nan tri-fichead burraidh” riu-san a thàinig uapa. ——— Bha deasbud eadar teaghlach àraidh de Chloinn Chaluim agus teaghlach coimhearsnaich, mu chrioman fearainn. Bha iad ris a’ chùis a shocrachadh air an dòigh so:— Bha eich an dà theaghlaich ri leigeil fa sgaoil anns an fheasgar. Air do ’n mhaduinn tighinn, bha iadsan a threabhadh a’ cheud sgrìob ri còir fhaighinn air an talamh. Chaidil cloinn ’ic Caluim a stigh. An uair a ghabh iad ceum a mach, ’dè chunnaic iad ach an dream eile tighinn a nuas am monadh le ’n cuid each. Leig iad le ’n làmhan tuiteam ri ’n taobh; shaoil iad gu ’n robh na h-uile nì caillte. Ach air an ath tharraing, chaidh séisreach dhiubh fhéin ’s a’ chrann, ’s bha aon sgrìob dhìreach réidh air a threabhadh an uair a thàinig na fir eile nuas. “O!” ars’ iad gu h-aimhealach, “Am faic sibh Clann ’ic Caluim na h-eich dhonna!” Agus lean an t-ainm ris an dream sin:—Clann ’ic Caluim na h-eich dhonna. [TD 283] GLOSSARY. SHELLS.— Coinein-mara, a Sea-urchin. Faochag, a Whelk. Feusgan, a Mussel. Muirsgeanan (pl.), Razor-fish (Muirsgian, one Razor-fish). Sligean-baintighearn, small, delicate shells like Clam Shells. Sligean-creachainn, Clam Shells. BIRDS.— Bricein-beithe, Chaffinch; Scot. Shilfie. Eoin-dubha, Divers; Scot. Dookers. Faoileann, a Gull. Guilbneach, Curlew; or Guilbearnach (Appin). Gulmag, Sea-lark. Sgarbh, Cormorant. Steàrnal, Sea-swallow. Trotag-thràghad, Sand-piper. Clabhas, gossip; mere gossip. (A’) Caige, keeping up mere talk; chattering. Dòrnag, in “Calanas”—diminutive of dòrn—a fist. Grigleachan, a group; the Pleiades. [TD 284] Printed at “The Oban Times” Printing Works, Esplanade, Oban.