[TD 1] THE LOST PIBROCH AND OTHER SHEILING STORIES BY NEIL MUNRO, LL.D. TRANSLATED INTO GAELIC BY REV. ARCHD. MACDONALD, KILTARLITY DIVISION I. PRICE NINEPENCE Inverness THE “NORTHERN CHRONICLE” OFFICE JOHN GRANT, 31 GEORGE IV. BRIDGE, EDINBURGH JAMES THIN, 54 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH A. M‘LAREN & SONS, 360 ARGYLE STREET, GLASGOW E. MACKAY, 54 MURRAY PLACE, STIRLING [TD 2] [Bàn] [TD 3] PREFATORY NOTE FOR a considerable time a Gaelic translation of “The Lost Pibroch and other Sheiling Stories” has, with the kind permission of the Author, been coming out in the Northern Chronicle. In the hope that it may prove acceptable to students of the ancient tongue, it has been decided to issue a division of these stories, consisting of four out of the twelve, at the price of 9d, and, in the event of the sales covering the outlay, it will be followed by other two sections at the same price, respectively. At a time of revived interest in the Gaelic language and literature, the Translator and Publishers may reasonably hope that the expectation of a ready sale will not be disappointed. INVERNESS, September, 1913. [TD 4] [Bàn] [TD 5] Am Port Mor a bha air Chall agus Sgeulachdan Eile na h-Airidh LE NIALL MAC-AN-ROTHAICH CHA deanar deagh phìobair gun seachd bliadhna foghluim, a bharrachd air seachd ginealaich dùthchais roimhe sin. Ma tha e stigh thug e mach, mar a tha an sean-fhacal ag ràdh; mar a tig, thoireadh fear an t-iasgach, no an t-arm air. An ceann sheachd bliadhna tha am fear do ’n dual e aig tùs eòlais, cromaidh e chluas le bàigh ris an dos, gu còmhradh ris na daoine ’bha ann o chian. ’Nuair a chluicheas e port na “Clàrsach Shithe,” ar leis gu ’n cluinn e na daoine o’n d’ thàinig e, ann an éideadh craicinn, pab-ghruagach agus uamhasach, a’ gnòsadaich aig na ràimh, no le srann suaine ’nan uamhaibh; tha chorc agus a chuaille aige ann am “Blar na h-Eiginn” (mo phort fhéin eudail!) far an robh na Fionn-Ghaill, luchd-spùinnidh a’ chuain, aig cladach, agus lì air an tiùra; ar neo, a’ toirt fanear an dath a tha air gruag Fhinn, agus dearrsadh na gealaich air dubhan nan Druidhean. Cha ’n ’eil an diugh ach triuir phìobairean ’s an t-saoghal mhór o Chaol Shleibhte gu Balla na Frainge. Co iad agus ciod e am breacan, cha tig e do neach innse, leis nach àill mìle biodag a bhi troimh chòta, ach aithnichear iad leis an fheadhain do ’m beil e, ’s an t-sealbh a’ bhi ’gan éisdeachd. Tha luchd cluiche ainmeil ann a dhiogaileas an siùnnsair agus nach toir as ach fuaim; bheir an triuir ud snas do ’n cheòl, agus cian aigne a’ bhàird, agus bheir iad na poncan bho [TD 6] dhoimhneachd na h-aimsire a dh’ fhalbh, agus an sgeul bho chridhe ’n duine dhealbh i. Ach cha ’n ann mu na triuir phìobairean is fearr an Albainn an diugh a tha mo sgeul, oir cha ’n ’eil am Port mór a bha air di-chuimhn acasan. ’S ann a tha mo sgeul mu ’n triuir a b’ fhearr—agus cha bu chearbach iad an aite ’s aithne dhomh—an Leth-Bhaile, a tha ’na sheasamh anns a’ choill. Faodaidh tu siubhal fad mhìle bliadhna le brògan no sgiathan sithe, bho eilein gu eilein, ’s bho chuan gu cuan, gun mhac samhuilt an Leth-Bhaile sin fhaicinn. Cha ’n e cho greadhnach ’s a tha e, no cho saoibhir ’s a tha shluagh; cha’n e cho farsuing ’s a tha achaidhean no a chròithean chaorach, ach na h-osagan cùbhraidh, agus tioralachd nan craobh giuthais a tha mu ’n cuairt da air gach làimh. Bhiodh mo mhàthair ag innse’ dhomh (’nuair a chuir mi ùigh anns na h-ùr-sgeulan) gu ’n deachaidh àireamh thaghta de chloinn na dùthcha, uair, a steach do ’n choill, ’nuair a bha slighe roimpe, agus na craobhan fhathast tearc, meanbh, a’ chluich, ma b’ fhior, gu ’n robh iad air àiridh. Ciod e ach gu ’n d’ fhas na craobhan suas gu grad agus gu h-ard, agus dhuin iad a mhuinntir bheag a steach, air chor ’s nach aimseadh iad air an t-slighe gu dol a mach ge b’ aill leo. Ach cha d’ iarr iad dol a mach na bu mhò. Dh’ fhàs iad suas mar a dh’ fhàs an giuthas agus am fearn, fine shamhach ann an cridhe na coille moire, air leth bho ’n t-saoghal a mach. Ach an tràth-sa agus a rithist thigeadh luchd fuadain gu Leth-Bhaile, troimh ’n fhasgadh dhubharrach fo na crannaibh àrda. Thigeadh fir-màileid le naigheachdan bho ’n t-saoghal an taobh a mach. Thigeadh fir a bha fo ’n choill a’ teicheadh bho ’n chroich no bho ’n tuaigh. [TD 7] Agus air là dhe na làithean thàinig dithis phìobairean, Giliain de Chlann Lachlainn a Strath-Lachlainn, agus Ruairidh Bàn de Chlann Neachdain bho Dhundarabh. Bha iad an deigh sealladh fhaotainn bho ’n chuan air Leth-Bhaile, ’s toit a chuid aitreabhan ag éiridh suas bho shlios na beinne troimh iarmailt shoilleir; thàinig iad troimh na coilltean airtneulach, a bha balbh mar shamhchair a’ bhàis, gus an do sheas iad aig oir na coille-criche. F’an comhair bha coslas baile-tuatha a chitheadh neach an aisling, is e ri fhaicinn le aon sealladh sula, oir bha e suidhicht’ air an t-sliabh a tha ruigheachd air ais gu Loch Odha. Thòisich na coin ri tabhunn agus thàinig an fhine shàmhach as an taighean, agus bho na h-achaidhean a dh’ fhaicinn co bha air teachd. Thàinig am fear bu mho dhiubh uile, do ’m b’ ainm Colla, agus ghairm e air na coigrich iad a thigh ’n air an aghaidh, agus dh’ fhag iad oir na coille, gun a bhi aon chuid nàrach no dàna, ach deas air son caraid no nàmhaid agus chuir iad fàilt mar bu chubhaidh. “Bha sinn a’ sealg,” ars’ iadsan, “an Eas-a-Chosain, agus lean sinn an earb an rathad so.” “Ma ’s ann mar so a thàinig i, tha i nis aig Amhuinn Dùghlas, agus faodaidh sibh tàmh agus biadh a ghabhail. Is tearc, da rireabh, na thig a thaghall oirnn ann a’ Leth-Bhaile, ach co air bith iad, tha an dorus fosgailte, agus an spàinn adhairc agus an stòl ri taobh an teine an so.” Thug e steach iad gu biadh, gun eadhon an ainm fhaighneachd, ach air dhoibh an sàth a ghabhail thuirt e ri Ruairidh—“’S aithne dhuit a phìob a chluich; tha mi ’g aithneachadh leis mar a bhuail thu do mheoirean air a’ spàinn-adhairc.” [TD 8] “Thug mi oidheirp bheag oirre,” arsa Ruairidh le gàire. “Is fear ciùil mo charaid an so.” “Nach aithne dhuitse cluich?” arsa Colla. “Mata,” arsa Giliain, “cha ’n ’eil mi, mar a theireadh tu, coimhlionta, ach cluichidh mi gun teagamh a dha no trì phuirt.” “Ni thu sin,” arsa Ruairidh. “Cha ’n ’eil mi dad n’as fhearr na thu fhéin, a Ruairidh.” “Mata, theagamh nach ’eil ach—co-dhiubh, cha ’n fhearr mi anns a’ h-uile port, ach tha mi ’g aideachadh gur a grinn a sheinneas tu Bratach Mhic Aoidh.” “A phìobairean,” arsa Colla ’s e faicinn gu faodadh tuasaid éirigh, “bheir mi sibh gu fear a tha ’s an aite so dhe ’r ceaird fhéin, Padruig Dall, fear a tha ainmeil air son a chiùil.” “Tha an t-ainm ùr dhomh,” arsa Ruairidh is e labhairt gu h-aithghearr, geur, ach dh’ éirich iad agus lean iad Colla Mór. Thug e iad gu bothan air taobh cùil Leth-Bhaile, aig an robh ballachan fòid, gun urrad is uinneag, agus an duine dall na shuidhe ’se lionadh iteachan air son nam breabadairean. “So,” arsa Colla ’se seoladh nan coigreach a steach, “pìobair comasach, mar a bheil mi air mo mhealladh, agus tha piobmhor aige cho ainneamh ’s a chunnaic mo shùil riamh.” “Tha sin agam,” ars’ an Dall agus aghaidh air an dorus, “An càirdean dhuit iad so a Cholla?” “Dithis phìobairean bho ’n choimhearsnachd,” fhreagair Ruairidh, “cha b’ ann air son pìobaireachd a thàinig sinn an so, ach le tuiteamas na seilg. Gidheadh ma tha pìob an so dh’ fhaodadh ceòl a bhi againn.” [TD 9] “Biodh e mar sin fhéin,” arsa Colla, “ach ’s mithich dhomhsa sùil a thoirt air a chrodh gu feasgar. Ma thòisicheas sibh fhéin is Padruig Dall ri cluich, gheibh mi sibh an so an tràth thilleas mi.” Chuir Padruig sios leann is aran fa chomhair nan coigreach. “’S e bhur beatha,” thubhairt e. Dh’ ìth iad greim agus dh’ ol iad de chupan a’ choigrich, agus an sin thuirt an Dall, “Feadairichd ‘Feachd-imeachd Chlann Mhic Rath’ ’ille bhàin.” “Cia mar tha fhios agad gu bheil mi bàn?” dh’ fheoraich Ruairidh. “Tha do theanga ’ga innse’ sin. Tha daonnan buige ann an teanga ’n duine bhàin mar gu ’n cluinneadh tu bainne air a chur troimhe cheile ann an cuman; ach tha cainnt an duine dhuaichnidh, coltach ri do charaid, mar sgreadail an t-sruthain chaoil ’s an reòthadh, a’ tuiteam ann an amar iarruinn. Feachd-imeachd Chlann Mhic Rath, a laochain.” Phreas Ruairidh a bheul agus dh’ fheadairichd e cuairt bheag dhe ’n phort bhreagha sin. “Seadh,” ars’ an Dall ’s e cur car na cheann, “fhuair thu do leasan. Agus thusa mo bhalach gun fheusaig a Strath-Lachlainn an aithne dhuit “Muinntir a’ Ghlinne so?” “Cia mar a tha fhios agad gur ann a Strathlachlainn a tha mi ’s gu bheil mi gun fheusaig?” arsa Giliain. “Strathlachlainn le fàileadh lannan a’ sgadain bho thaobh an taighe air am bheil thu (oir bha iad ag innse dhomh an de gu’n robh na sùlairean ag itealaich rathad Strathlachlainn, agus tha sin a’ ciallachadh iasgaich), agus tha fhios agam gu ’m bheil thu gun fheusaig ach cha ’n urrainn domh innse’ ciamar.” [TD 10] Cha robh Giliain ach air tòiseachadh ris an t-siubhal ’nuair a chuir an Dall stad air. “Tha e agad,” ars’ esan, “ann an dòigh, air sheol dòigh Mhic Artair, cha ’n ann ’nam dhòigh-sa. Ach co-dhiubh rachamaid gu gnothuch.” Shuidh an triuir sios air tri stòil air an urlar chreadha, agus chaidh pìob an t-seann duine o làimh gu làimh. “An toiseach,” arsa Padruig (mar fhear an taighe agus gu gleus a phìoba fhéin fhaotainn), “cuiridh mi orra ‘An Spagluinn.’” Sheas e air a luirgnean, bodach caol dìreach, agus an dos mór a’ ruigheachd, ach beagan, gu na sparraibh gaoithe. Lion e am màla le aon séideig, agus chuir e gaoirdean leannain mu ’n cuairt air. Tha call cridhealais air an duine nach d’ fhairich màla na pìoba riamh ’na achlais. Tha e caomh, cruinn, mar chneas òighe, càirdeil, blàth ann a lùb na h-uillne agus ris an t-slios, agus tha subhachas no dèoir ’na fhàsgadh. Bha am bothan a’ nuallan leis a’ ghleusadh, agus an sin thàinig an ceòl tlath milis bho ’n t-sionnsair. Ochd ceuma suas, ceithir gu tionndadh, agus a h-ochd sìos, chaidh Padruig, agus chaidh am port mòr car air char gu mheòirean mar gu ’m biodh fear a’ gabhail duain. Shuidh an dithis fhear air na stòil, an uinnlean air an glùinean, ’s iad ag éisdeachd. Cha do chluich e ach an t-Urlar agus an Crunluath, gus uine chaomhnadh, agus rinn e sin gu ro-mhaith. “’S maith a fhuaras tu! rinn thu gu h-eireachdail mo sheann laoch!” ghlaodh an dithis; agus thubhairt Giliain, “Tha dòigh agad air a’ Chrunluath ao-coltach rium-sa, ach cho maith ’s a chuala mi riamh.” “’S e sud an dòigh a bha aig Padruig Og,” arsa Ruairidh. “’S maith is aithne dhomh e! Tha puirt is puirt ann, agus cha ’n ’eil ‘An Spagluinn’ clìth na [TD 11] dhòigh fhéin, ach thoir dhomhsa ‘Feachd-imeachd Chlann ’ic Rath.’” Leum e gu chasan agus thug e phìob a làmhan an t-seann duine, agus thairis air a ghuaillean le na duis. “Seas air d’ ais ’ille!” ghlaodh e ri Giliain, agus chaidh esan ni bu dluithe do ’n dorus. Thàinig a chaismeachd shiubhail gu h-ealamh chon an t-sionnsair—an seann phort, am port glan a chuala Ceanntaile roimhe, ’nuair a thàinig na fir bhorba ’nam breacan dearg thar sliabh is reidh-mhonadh; am port anns am bheil fuaim na h-aibhne, an abhainn luath gun athadh, do nach eol stad no moille, a ruitheas mu gach creig is thar gach eas le deagh ghean, gun rùn air nì sam bith ach siubhal air an t-slighe ta roimpe. Port nan gaisgeach, port nan raon giuthais agus nan strath leathunn, am port a bheir air iolairean Locha Duthaich snagardaich le ’n guib ’nuair a chluinneas iad e, agus ri ’n éisd feannagan na duthcha sin cho toileach ’s a bheir iad cluas do sgiamhail an cuid iseanan. “Maith! anabarrach maith!” arsa Padruig Dall. “Tha breacan a’ chinnidh agad ann.” “Tha mi ’g aideachadh nach dona,” arsa Giliain. “Leig dhomhsa oidheirp.” Chuir e mheòirean air na tuill, leum a chridhe thairis air da ghinealach agus feuch thallud Gleann Comhann! Chrùb an latha glas thar na beanntaibh geala, agus gu h-iosal bha deathach nam fàrdaichean dubha. Bha am bealach air a dhruideadh le sneachda, bha gach eas is coire lan de chathadh làir, agus còmhnard ri aodann a’ bhruthaich. Bha ghaoth gu cuilbheirteach, garg, a’ luasgadh nam preasa beaga, agus a’ cluich air feadh nan àrd-dorus agus nan sailean loisgte; fuil na h-aois agus [TD 12] na h-oige a’ reothadh air leac an teinntein, agus bilean fuar an leinibh, agus a mhuinneal geairte, air a’ bhroilleach a bha rag ann a’ fuachd a bhàis. Mach as a’ ghleann bha an t-slighe air a saltairt le casaibh luchd na casgairt—na Caimbeulaich ’s iad gu maith air an rathad gu Gleann-Liobhan agus gu bailtibh a’ phaipeir, an dubh, agus nam breugairen, “Muinntir a’ Ghlinne so! Muinntir a’ Ghlinne so!” “Coin, coin, O Dhe nan gràs—coin is cladhairean,” ghlaodh Ruairidh. “Chuirinn a bhiodag ann an Diarmad no dha ’nan tachradh dhoibh a bhi goirid dhomh.” “’S e pìobaireachd a tha gu bhi ’n so,” arsa Pàdruig, “agus cha ’n ann air son uair no dha anns an fheasgar, ach pìobaireachd Dhunbheagain nach fuirich ri cadal no suipeir.” Mar so dh’ fhan an triùir anns a’ bhothan agus chluich iad port mu seach, agus an uine sior dhol seachad. Dh’ itealaich na h-eoin do ’n dachaigh anns na geugan, leum na corracha griodhach ’s an sgiathalaich gu cladach, a shathadh nan leobag, bheuc na féidh a bha bùireadh troimh ’n sgòrnain àrd-fhuaimneach ann an doimhneachd na coille tha mu ’n cuairt air Leth-Bhaile, agus thàinig fàileadh braonach na h-oidhche gu h-oiteagach mu ’n dorus. Tharruing a ghrian a breacan buidhe-dhearg thar chul Ach-nam-breac, agus thàinig dubhar air an locha cuain bho ’n Charn dubh gu na Creagain. Thàinig na fir ’s na mnathan sgìth o’n mhonadh, agus a chlann bheag turra-chadalach as an déigh. Bha clò chadail air an tìr, ach chum na pìobairean, a bha cluich anns a’ bhothan, an saoghal na dhùisg. “Théid sinn a chadal an deagh am,” thuirt an sluagh ’s iad ag ithe an suipearach aig an dorsan, “’nuair a [TD 13] thig am port so gu crich.” Ach thàinig port an déigh puirt ’s a h-uile fear n’a b’ fhearr na fear eile, agus dh’ fheith iad. Bha cruisgein laiste am bothan an doill, agus chluich an triùir seann phuirt agus puirt ùra, fàilt agus cumhadh, puirt aotrom agus caismeachdan siubhail, a bhrosnuicheas casan sgìthe air roidean fada. “So ‘Tulach Ard’ dhuibh agus innsibh dhomh co rinn e,” arsa Ruairidh. “Co aig’ tha fios air a’ sin? So ‘Cumha Fir Rarsaidh,’ am port a b’ fhearr a rinn Padruig Mór riamh.” “Tha puirt is puirt ann. ’S e mo phort-sa ‘Pòg o làimh an Rìgh’— “Thug mi pòg is pòg is pòg, Thug mi pòg do làimh an Rìgh, Cha do chuir gaoth an craicionn caorach Fear a fhuair an fhaoilt ach mi.” An sin thuit sàmhchair air Leth-Bhaile, oir sguir a phìobaireachd agus cha chual’ an sluagh aig an dorsan ni air bith ach an fhuil a’ bualadh ’nan cuislean agus na cailleachan oidhche ann an dubhar na coille-ghiuthais. “An uine gun a bhi fada theagamh gu ’m bi an corr ann,” thuirt iad ri cheile agus dh’ fhan iad, ach cha d’ thàinig an corr ciùil o na duis, agus mu dheireadh chaidh iad a laidhe. Luidh sàmhchair air Leth-Bhaile, oir bha ’n triùir phìobairean a’ bruidhinn air a phort a bha air chall. “B’ aithne do m’ athair,” arsa Giliain, “duine chuala bloigh dheth, uair, ann a’ Muideart. Port fuathasach glan ach glé throm air an ìnntinn.” “Na poncan tri-fìllte,” arsa Mac Neachdain, agus e suathadh gaothaiche le làimh bhàigheil. [TD 14] “A theagamh. Tha na poncan tri-fìllte dona gu leòr, ach de mu ’n deighinn? Tha barrachd is meòirean ealanta ann am pìobaireachd. Nach ’eil mi ceart, a Phàdruig?” “Ceart! ’S tu tha sin. Iarraidh am port mór a bha air chall fìor innleachd anns na poncan tri-fìllte, ach cha ’n aimseadh Mac Cruimein fhéin, ealanta is ged a bha e, fìor chridhe phuirt sin.” “Chual’ thu e mata,” arsa Giliain. Dh’ éirich an Dall na sheasamh is lìon e mach uchd. “An cuala mi e?” deir esan; “chuala agus chluich mi e air an fheadan, ach cha do chluich air a’ lan phìob. Cha do rinn mi sin o’n a thàinig mi gu Leth-Bhaile.” “Tha deich buinn chruinn airgid ’nam sporan, agus bràiste boneid ris nach dealaichinn air son móran; ach tha iad an sud air son an fhir a chluicheas dhomhsa am Port Mór a bha air chall,” arsa Giliain is a bhriathran a’ ruagadh a chéile le cabhaig o bharr a theangaidh. “Agus so oighreachd fir de Chlann Neachdain air muin nam bonn cruinn,” arsa Ruairidh, is e a’ falbhachadh a sporain air a’ bhord. Las gnuis an t-seann duine le feirg. “Cha mhise,” ars’ esan, “pìobaire ceàird gu cluich air son bonnacha-sia agus cuach leanna. Cha cheannaicheadh an Rìgh fhéin am port a tha agamsa ged a thogradh e. Ach ’nuair a dh’ iarras pìobairean e ’s e am beatha, agus ’s e bhur cuid-s’ e gun cheannach. Ach ma tha sibh a’ smaointinn gu ’n ionnsaich sibh am port le chluinntinn bhuamsa aon uair, tha sibh air bhur mealladh gu mór. Cha phort e a thogar mar gu ’m biodh struban o ’n tràigh, oir gabhaidh e fòghlum bhliadhnaichean agus doille a bharrachd air a sin.” “Doille!” [TD 15] “Seadh, doille. Cha ’n ’eil brìgh a’ phuirt ach air son sùil dhall.” “’Nan cluinneadhmaid e air a’ làn phìob!” “Thigibh a mach chon an reidhlein agus cluinnidh sibh e ged nach faigheadh Leth-Bhaile lochd cadail a nochd.” Chaidh iad a mach as a’ bhothan gu far an robh am feur goirid fliuch. Bha neoil ghiobach a crith-ghluasad os cionn Chomhail, agus bha ghealach ùr le h-adharcaibh soillse’ ’na suidh’ air Beinn Ime coltach ri birlinn Lathurnach. “Chuala mi am port aig a’ Mhùideartach, am fear mu dheireadh an Albainn do am b’ aithn’ e aig an àm,” ars’ an Dall. Bha an gaothair aig a bhilibh, agus a làmh a tàladh a mhàla, ’nuair a thainig éigh leinibh bho thaigh ann a’ Leth-Bhaile, gul ciochairein, a bheir air duine chluinneas e ’s an oidhche a’ bhi sìor thoirt fanear gach bron gu ’m bheil muinntir air am breith. Thuit na duis le gleadhar air uillinn a’ phìobair agus stad e. “Bhuail rud mi,” ars’ esan ris an dithis. “Cha do dh’ innis mi dhuibh gu ’m bheil ‘Am port mór a bha air chall’ de ’n t-seorsa tha toirt Soraidh-slan. ’S e port nam finneachan briste, am port a bhrosnuicheas fir gu creich, agus a dh’ fhàgas na cagailtean fuar. Chluicheadh e ann an Gleann-Shiora ’nuair a dh’ fhaodadh Gilleasbuig Gruamach streath de bhasbairean foghainteach a tharruing bho Bhoiseang gu Beinn-Bhuidhe, ach c’àit’ am bheil sluagh Ghleann-Shiora an diugh? Chunnaic mi oidhche chridheil ann an Carnus, os cionn Loch Odha, dàn is sgeulachd a sìor dhol mu ’n cuairt a’ ghealbhain, agus chluich a Muideartach e air son gill. An la ’r na mhaireach bha [TD 16] a chlann bheag gun aithrichibh, agus bha fir Charnuis air an sgàpadh air feadh an t-saoghail mhóir.” “Gu dearbh is cinnteach gur e port druidheachd a tha ann,” arsa Giliain. “Seadh, druidheachd a laochain! So am port a chuireas fir chon an rathaid-mhóir, a dh’ fhàgas gillean neo-shuidhichte, ’s a chuireas mnathan gu sireadh. Anns a’ Leth-Bhaile so tha fir a bruadar is a’ fas reamhar le cion oibre. Tha iad a’ di-chuimhneachadh gu bheil an saoghal farsuinn fada an taobh a mach dhe na craobhan giuthais, agus bheir mis’ orra bhi ’g iarraidh rud nach aithne dhoibh ainmeachadh.” “Maith no dona bi mach leis,” arsa Ruairidh, “ma ’s aithne dhuit idir e.” “Theagamh nach aithne, theagamh nach aithne. Tha mi aosmhor brèoite. Theagamh gu ’n do chaill mi fìor mheòrachadh a’ phuirt, oir ’s fhad’ o nach do chuir mi e air a’ phìob mhóir. Bu shuarach orm fheuchainn ciod air bith a thig as, agus a nis air son ionnsuidh a thoirt air.” Chuir e suas a phìob a rithist, lìon e màla le aon séideadh, chuir e na duis gu fuaim agus dh’ éigh an gleus gu cruaidh àrd. “Thigibh, thigibh, thigibh mo chlann, tha ’n t-uisg’ air a bhruthach ’s a ghaoth a’ séideadh.” “Is e fàillt’ a tha ann,” arsa Ruairidh. “Is neònach am port e co-dhiubh,” arsa Giliain. “Eisd ri luathas a chiùil!” Chaidh am port troimh gach cùil is cearn an Leth-Bhaile agus a steach do dhubhar na coille ghiuthais; chuir e stad air glaodh na caillich oidhche, agus ràinig a bheum Beinn Bhreac. Chluinneadh luchd bàt’ e fad’ is cian air an locha, agus dh’ éirich luchd Leth-Bhaile ’nan suidhe ’g a éisdeachd. B’ e an sgeul a dh’ innis e [TD 17] aon a bha doirbh ri h-aithris, ni-éiginn de mhiann a’ chridhe agus de shealbh diamhair na beatha so. Cheangail e suas gach sgeul a chualas riamh mu na finneachan gu léir, agus rinn e dhiubh aon eachdraidh mu na Gàidheil anns an aimsir a dh’ fhalbh. Cha b’ ann mu chlaidheamh, no mu bhiodaig an aghaidh a’ bhreacain, ach am breacan an aghaidh chàich uile, agus sgiath nan Gàidheal a’ dìon tìr nam beann agus nan strath brioghmhor bho na fir beaga dhubha, bhreaca. Bha na geamhraidhean agus na samhraidhean a’ dol seachad ’nan leum, latha agus oidhche ag éigheach an cluasan muinntir, agus a rithist na finneachan aig comh-stri agus na freiceadain air gach bealach agus anns gach sgìreachd. An sin dh’ atharraich am port. “A mhuinntir,” arsa na gaothaichean le m’ brosgul. “Is farsuinn an saoghal agus is ait an t-slighe. Cha ’n ’eil an so ach an t-seann sgeul agus na mnathan a phòg sinn roimhe. Thigibh, thigibh, gu na machraichean saoibhir agus pailt far a bheil na h-iongantasan nach facas riamh, agus na mnathan nach do phòg sibh fhathast.” “A màireach,” arsa Giliain ann an cluas a charaid, “théid mi sgrìob do ’n taobh tuath. Bha e ’nam bheachd o’n Bhealltuinn.” “Dh’ fhaodadh neach deanamh n’a bu mhìosa,” arsa Ruaraidh, “bha mi fhéin a’ smaointinn sgrìob a ghabhail, le mac brathair m’ athar, do na cogaidhean céin.” Thog am pìobaire dall a ghuaillean agus chuir e ghaoth na tonnan ’s a’ chrunluath bhreabach a thig gu meanmnach le caochladh fhonn. Ragaich e le uamhar [TD 18] bho shàil gu chruachan, agus o chruachan gu cheann, agus shìn e fhéithean gus an robh iad cho cruaidh ris an stàilinn. Bha e ’g innse mu ’n òr a bha ri fhaotainn air son iarraidh, agus na daimh a gheibhte air son an seilg. “Ciod e,” arsa na gaothaichean, “is fhiach ’ur bàrr bochd air a shior liodart leis an uisge, agus a’ dol a dh’ olaidh, agus sin uile air son sgairbh air màs na poite? Ciod e is fhiach bhur daimh agus bhur aighean, dubh, ciar, is buidhe, an coimeas ri crodh baine agus eich? Cha ’n ’eil an so ach an t-aon ni a ghnàth, obair is cadal, cadal is obair, gun chaochladh, gun strìth, gun chreich, gun chaisteil ri ’n spùineadh, gun dad ach achadh na gorta, agus am monadh sàmhach. Gabhamaid ceum is beòthaile! Thallud tha na strathan fada agus na h-aimhnichean domhain, agus na bailtean tuatha cho tiugh ri bhur n-adagan; sud far am bheil naigheachdan agus badhar luchd na màileid; biodhmaid a bogadh nan gad agus a falbh!” Sheas an dithis fhear le ’n cinn làn gaisge agus smuaintean bruailleanach mar dhaoine ri pòit. “So,” ars’ iadsan, “an rud a bha ’nar cinn, ’s nach b’ urrainn duinn a chur am briathraibh. Is bochd a cheaird pìobaireachd, is ìthe, agus a bhith ri fearas-chuideachd, ’nuair a’ dh’ fhaodadh fear a’ bhi siubhal sìos is suas air feadh an t-saoghail. Bitheamaid a’ cur suas ar màileidean.” An sin thàinig an crunluath a mach le dian ruathar a’ chuthaich air an t-siunnsair, agus chrith Leth-Bhaile fodha. Rinn e srann anns a’ chluais coltach ris na dìtheanan ’s a’ Chroit Mheala, agus rinn e gluasad am measg nan eun a bha air ghur anns a’ choill. [TD 19] “So! so!” ars’ an iolaire ’s i tabhunn air Creag-an Eas. “Chuala mi roimhe gur a h-olc a ni a’ bhi sàsuichte; ’s a’ mhaduinn feuchaidh mi na minn air taobh a Mhaim, oir tha na moighich anns a’ chearn so righinn, neo-bhlasda.” “Eisd eudail,” ars’ an londubh. “Tha fios agam a nis c’arson a tha mo ghob òr-bhuidhe; ’s ann o chionn gu ’n d’ ìth mi aon uair dearcan is sughmhoire na na braoileagan, agus théid mi air an son ’nan trath gu bràighean Ghleann-finne.” “Honkunk,” arsa madadh-ruadh, am balach seolta, “nach bu mhise an t-amadan a’ bhi fuireach anns a’ bhruthach bheag so, ’s gur a h-aithne dhomh iomadh rathad an cearnaibh eile?” Agus bha an sluagh a bha ’nan suidhe ’nan leapaichean an Leth-Bhaile ag osnaich air son ni ùr. “Tha Pàdruig Dall an sud, agus ’s e a tha cur a phuirt neònaich orra,” ars’ iadsan. “Feumaidh sinn faighneachd a màireach ciod is ciall da, ach ochanoch! tha e fagail mo chridhe fàs.” Agus an sin shéid gaothan fuara na h-Aird-a-tuath, agus far an do chrùb an dorchadas air thùs is ann a nochd an la e fhéin, air chor ’s gu ’m facas Beinn Ime ag éirigh gu dubharach tarsuinn air glaise na h-iarmailt. “Sud am Port mór a bha air chall,” arsa Pàdruig Dall, ’nuair a thuit a màla fàs air a ghaoirdein. Agus sheall an dithis air a chéile mar ann am breislich. Aig uairibh, anns an Earrach, tha na gaothan a thig rathad Làthurna a’ deanamh an toil fhéin ’s a’ Ghàidhealtachd. Thig iad a’ reubadh air a’ chuthach thairis air ceud monadh, air am brosnuchadh gu tuilleadh astair le stucan Chruachain agus Dhuncuaich, agus tha na coilltean aig a’ bhaile a’ luasgadh rompa mar arbhar roimh [TD 20] ’n chorran. Tha na freumhan air an spìonadh os ìosal, agus tha na crainn àrda tuiteam air an gaoirdeanan briste, agus anns a’ mhaduinn siubhlaidh na féidh troimh fhrith-ròidean a tha air an gearradh anns a’ choill. Thàinig gaoth de ’n t-seors’ ud mu mheadhoin latha ’nuair a bha ’n dithis phìobairean a’ fagail Leth-Bhaile. “Fanaibh gu ’m bi an stoirm seachad,” thuirt a mhuinntir chaoimhneil; agus “Bi ’ur bòrd ’s ’ur leaba an so mar phìobairean da fhichead la,” arsa Pàdruig Dall. Ach thuirt iad le chéile, “Cha ’n fhan, tha gnothuch againn a chuir do cheòl mór ’nar cuimhne.” “Tha mi ’n dochas,” ars’ an seann duine, “nach do chluich mi e le tuilleadh ’s a choir de ìnnleachd.” “Innleachd ann no as,” arsa Giliain, “do leithid cha chuala mi riamh. Chluich thu port a tha fàgail glé shuarach na chualas de phuirt thuige so, agus cha bhuin pìobaireachl tuilleadh do luchd fuadain mar a tha sinne.” “Gach beannachd léibh!” thuirt an sluagh uile, agus chaidh an dithis sìos do ’n choill am measg bragadaich nan craobh. Bha seathnar ghillean òga a’ sealltuinn as an déigh, agus thuirt fear dhiubh: “’S bochd an la a ghabhas fear an saoghal mar adhartan, ach ’de ’ur barail mu dhol as déigh nam pìobairean?” “Dh’ fhaodadh e,” arsa fear dhiubh, “a’ bhi ’na thoiseach fortain. Tha mi sgìth de ’n aite bhochd so, gun dad mu thimchioll ach fiodh is uisg’ is badan fèoir. ’Na falbhamaid a nis dh’ fhaodadh òr is clann-nighean a bhi aig ceann eile na slighe.” Ghlac iad am bataichean ’s am bonaidean, agus chaidh iad as déigh an dithis phìobairean. Cha robh iad ach aon tràth air falbh, ’nuair a thuirt seathnar mhnathan ri ’m fir, “C’àite ’m bheil na gillean?” [TD 21] “Cha ’n ’eil fhìos sin,” arsa na fir, agus rugha a’ tigh ’n orra, “ach dh’ fhaodamaid sealltuinn.” Phòg iad a chlann, is dh’ fhalbh iad le ’n cromagan ’nan làimh, agus b’ e an rathad a ghabh iad an rathad air a marcaich Rìgh Eirinn, ’s e sin an t-slighe gu crich nan laithean. Thàinig aimsir neo-shunndach air Leth-Bhaile. Chaidh eadhon na leanaban a bha air a’ chìch, as, le bhi miannachadh caochladh fortain. Chaill na mnathan an neart is theireadh iad, “Tha mo dhruim lag an diugh, a màireach cuiridh mi cuisean air saod,” agus shealladh iad le beul sios agus suilean gun suim de ’n ghréin na cuairt mu na craobhan. Gach seachduin rachadh fear no dithis an tòir air ni-éiginn—agh a bha air chall, no earb leòinte nach tugadh riamh dhachaigh—agus thàinig malairt ùr do ’n aite—reic nam buailtean. Fad air falbh anns a’ mhachair, far a bheil an soirbheas blàth agus airgiod aig an fheadhain is bochda, bha iarraidh air crodh dubh, agus rinn fir Leth-Bhaile suas dròbhan fada, agus thug iad mu ’n cuairt iad rathad a’ Ghlinn-Bhig agus Aite na h-analach. C’àit’ air bith an deach’ iad dh’ fhan iad an sin, no chuir na finneachan a bha air an t-slighe gu bàs iad, oir cha ’n fhaca Leth-Bhaile iad nì bu mhò. Agus thàinig la air nach robh air fhàgail anns an aite cheutach sin ach mnathan is clann agus pìobaire dall. “A mis’ an aon fhear an so?” arsa Pàdruig Dall, ’nuair a thàinig cùisean gus an t-suidheachaidh sin, agus thuirt iad ris gu ’m b’ e. “Mata,” ars’ esan, “tha fear eil’ an so a’ dol a dh’ iarraidh an fhortain!” agus ghabh e sìos troimh na coilltean le phìob fo achlais. [TD 22] LAMH DHEARG. BHA boladh bog nan learag anns an fhàileadh agus bha Gleann Aora a’ bristeadh fo bhlàth aig brosnuchadh an Earraich. Lìon Pàdruig Dall, am pìobair—mac ’ic Iain Mhóir—a chliabh farsuing le anail dithis, agus thilg e na duis air ghuallainn. Luaisg iad tacan gu ’n do dh’ at am màla, ’s an do rinn a cheud sgal seirm an cluais na maidne. Mhùch na gaothaichean a chéile le farum an gleadhraich gu ’n do chum làmh an riaghladair fo smachd iad, agus an d’ thàinig ceòl tlàth socair a’ phuirt mhóir a mach a measg nan ribeinean breacain. Chuala stuc glas Druimfearn an ceòl, leig an cara tha dìon bealach Charnuis seachad e thar a mhonaidh agus sìos do na h-eileinean; chrom Dun Corr-Bhile agus Dun-chuaich, Cill-Mun uaibhreach, Ciochan Salacharaidh agus ceud braigh’ eile, mór thimchioll a dh’ éisdeachd ris na poncan bòsdail a lìon an srath. “Is leamsa an Gleann!” sheirm an siunnsair beag, ait, agus air claidheamh Fhinn cha mheòiricheadh Mac Cruimein fhéin na b’ fhearr e! Thachair sin mu ’n deachaidh Pàdruig Dall gu Leth-Bhaile; roimh na cogaidhean a loisg na glinn; ’nuair a sgrogadh Clann Diarmaid am boneidean am fiannuis Albainn uile. Bha Pàdruig a’ fàs sean agus bha e dall, ach ghluais e le giùlan righ sìos is suas air an fheur lom, a chas a freagairt gu daingeann do gach ponc de ’n phort, fhéileadh a’ gluasad bho thaobh gu taobh cho riaghailteach ri rann bàird, agus a sporan a’ leum gu mear air a ghluinean loma. Da fhichead ceum fonnmhor gu bruaich an uillt, cuairt shocair air sàil a bhroige, agus an sin air ais le deàrrsa na gréine air bucuill a chrios. [TD 23] Stad na fir a bha tilgeil a’ chabair ’s a’ putadh na cloiche an aghaidh na gréine an taobh thall a’ phuill-mhona, aig spagluinn an t-siunnsair, sgioblaich iad am breacain gu teann mu ’n leasraidh, agus dhluthaich iad gu éisdeachd; sguir na mnathan, a bha stampadh nam plaideachan air son na h-àiridh, dhe ’n spliutadh anns a’ linne bhig, agus rinn iad crònan mar an aisling; chuimhnich na fir ’s na mnathan air na laithibh a bha ann ’nuair a bha ’n Gleann bog le fuil nan sonn, oir bha na Stiubhartaich bho ’n Apuinn thallud. “Dia na Soillse! nach e chluicheas,” arsa mac a’ phìobaire, agus a cheann ri tuainealaich le finealtachd a’ mheurachaidh tri-fìllte. An sin sgioblaich Pàdruig a mal fo achlais agus dh’ aitharraich am port. Thòisich e le ùrlar, “Bodaich nam Briogaisean,” agus chunnaic an fheadhain do ’m b’ aithne am port na bodaich leis na briogaisean a’ bristeadh agus a’ teicheadh roimh chlaidhnean iotmhor Ghleann-Urchaidh, fada ’n taobh a tuath de ’n Marbhairnn, laithean fada agus siubhal sgith troimh ghleanntaibh creachte. “Tha mi ’g aideachadh gur a breagha chluich,” arsa mac an Doill, agus e ’na sheasamh fo chraoibh sheilich le mal na pìoba an glaic uilinn’ ’s a duis fo bhrataichean. Bha e caitheamh breacan Clann Diarmaid agus faillean roid ’na bhonaid, oir bhuineadh e do luchd-fhrìthealaidh Dhonnachaidh Dhuibh. “A mhic Phàdruig Dhoill,” ars’ an ceann-cinnidh, a sheachd bliadhna na Féill Martainn so tighinn, “ma chluicheas tu coltach ri d’ athair, cha ’n ’eil air do shon ach Dunbheagain agus teagasg Phàdruig Mhic Cruimein.” Mar so chaidh Tearlach do ’n Eilein Sgiathanach, eilean fuar nan sgian agus nan uamhan, agus an oil-thigh Mhic [TD 24] Cruimein dh’ ionnsuich e phìob mhór. Maduinn is feasgar, agus fad na h-uine eatorra, làimhsich e am feadan no an làn phìob, puirt cruinneachaidh agus feachd-ìmeachd, casgairt agus osnaich, agus an fhailt stàideil. Far am bheil an soirbheas bras a’ tigh’n le fàileadh a’ chuain o Bhatarnais thairis air Loch Bheagain, agus a tha Uidhist le chruth doilleir cro-dhearg a’ bristeadh gathan orbhuidh dol fodha gréine, sheas e air na braigheachan mu choinneamh Bhororaig, agus chiùinich e monbhur a’ chuain. Agus thàinig latha ’nuair a chluich e “Cumha Crann na Clàrsaich,” agus a bha na bliadhnaichean céin le ’n treun chath agus am fir ghaisgeil, a seirm troimh iomlanachd an fhuinn, agus thuirt Pàdruig Mac Cruimein: “Cha ’n ’eil an corr a dhìth ort a bhalaich; rach a so; cha chuala Loch Odha riamh fear eile dheth do sheorsa.” Coltach ri coileach le chir gun ghearradh thàinig an t-òganach as an Eilein Sgiathanach. “Athair,” thuirt e, “cha chluich thu cho dona air son duine dall, ach tha thu call an fhiamh a tha air gnuis an t-sluaigh, agus ’s e sin leth a’ chiùil. A thuilleadh air sin tha thu sean, agus tha do mheòirean mall air son nam poncan éireachdais. Tha d’ fhuil is d’ fheoil fhéin an so a leigeas fhaicinn dhuit meòrachadh nach robh leithid riamh an ear air na h-eileanan.” Chuala mhuime an spagluinn. “A pheasain,” thuirt i gu grad, ’s a h-aodann, a bha cairte leis an toit, làn tnu. “Tha d’ athair ’na dhuine, ’s cha ’n ’eil anndsa ach balach aig nach ’eil cridhe air son latha fada. Cha ’n fhòghainn aite an leine chrios Dhonnachaidh Dhuibh le ghile gus do phìob ’s do mhaileid a ghiùlan, air son pìobair a dheanamh.” [TD 25] Rinn Tearlach gàire na h-aodann. “Gille no duine,” thuirt e, “seall orm; a tuath, no an ear, no deas, no an iar, c’àite bheil fear a bheir bàrr orm? Tha an cliù aig Mac Cruimein, ach bha pìobairean ann roimh Mhac Cruimein agus bi pìobairean ann ’na dhéigh.” “Faodaidh e bhith mar a tha thu ’g ràdh,” arsa Pàdruig. “Tha e annad, agus an rud a tha steach thig e mach; ach thoir dhomhsa cothrom na Féinne, agus sean ’s mar a tha mi, agus le cothrom Fhinn, ’s e sin le ceartas maith, a theagamh gu ’n tòir mi ort nach bi do ghairm cho morchuiseach. Am bheil thu air son feuchainn?” “Tha mi cur gleus ùr air dòigh,” arsa Tearlach, “ach biodh e ’nuair a thogras tu.” Shuidhich iad latha, agus chaidh iad a chluich an aghaidh a chéile, agus thachair air an latha so gu ’n robh Pàdruig Dall a’ cluich, “Is leams’ an Gleann,” agus “Bodaich nam Briogaisean,” ann an dòigh a chuireadh cràdh air gach crìdhe. Stailc Giorsal a meòirean ri chéile an aodann a dalta, ’nuair a thug an duine crunluath a’ phuirt mhóir gu crìch. “An dean thu n’as fearr na sud isean dhìolain?” thuirt i le dranndan. “So e co-dhiubh,” arsa Teàrlach, agus thairis air a dhruim chaidh a bhratach’ ’s ceann an tuirc air oibreachadh ìnnte le snath òir. Gille boidheach da rireadh, glan na bhuill aotrom na cheum, agus subailte na leasraidh, agus an car aigionnach ’na ghuallain nach robh riamh a dhìth air deagh phìobaire. Leig na mnathan a bha anns an linne an taic ri chéile ann a’ soilleireachd an latha, ’s boladh tlàth nan learag mu ’n cuairt, agus sheall iad air le trom-smaoineachadh, agus tharruing na fir a bha air an fhraoch na bu dluithe. [TD 26] An déigh gleusaidh thàinig:— “’S coma leam, ’s coma leam cogadh no sìth, Marbhar ’s a’ chogadh no crochar ’s an t-sìth mi.” “Cogadh no sìth,” ghlaodh Giorsal ri fear, agus rachd ’na muineal. “Cogadh no sìth, an glagaire dubh ’s e nathair nimhe tha agad air son mic, fhir an tighe.” Dhanns meòirean a’ ghille gu h-àit air an t-siunnsair, ’s thàinig crìth air na bha an lathair le smaoineachadh air na bha gu teachd. Rinn na seann shleibhtean mire leis á phort mheanmnach, thilg Dun Chorrbhil e null gu Druimfearn, agus chuir Druimfearn e na leum thairis air reidhleinean Chill-Muna gu coireachan uaine Leac-nam-bàn. “A ghaoil, a ghaoil, an seann phort; thig agus faigheamaid feòil!” thuirt feannag anns an ròcail ri chéile, fad air falbh an ceathach Beinne Brìc, agus shiubhail iad còmhlath air sgiathaibh croma dubha do ’n àird an ear. Sguir an soirbheas cairdeil de bheadradh ris na badan giuthais, agus a’ bhi toirt srann air an roid, agus bha fuaim Aora a’ tuiteam anns a’ Linne mar fhion ’ga dhortadh an cuaich. “Is coma leinn cogadh no sìth,” sheirm na gaothaichean, agus an sin bha an cruinneachadh agus am feachd-ìmeachd, an dian ionnsuidh air casaibh siubhlach thairis air monadh a bha na bhoglaich ghroid le uisge nan speur, buille sleagha ri sgéith, rachd-ghlaodh naimhdeis agus acrais, pronnadh, gearradh, agus tuiteam, agus air a’ chul sin seann chomhstri na h-Apuinn! Bha gillean luthmhor Aora, agus aomadh annta air aghaidh, ’nan seasamh mar ann an aisling. Chuir iad an lamhan air an cruachain ged a bha na criosan falamh agus thuirt fear dhiubh ri leanabh fhéin. “Falbh a ghraidh ghil, agus thoir thugam an sgian fhada air a bheil na h-eagan agus an ceann-bheart duirn; tha mi [TD 27] sgìth de bhuachailleachd.” Thug an leanabh sùil air aodann, agus chaidh e dhachaigh anns a’ rànaich. Agus bha an ceòl a sìor dhortadh a mach, “Thug mi pòg do làimh an Rìgh,” “A bhiodag bhoidheach,” agus a h-uile port a b’ fhearr na chéile. Cha do rinn pìob shìthe Cnoc nan Daoine Beaga riamh breisleach seirm bu mhìlse, gidheadh chràidh e cluasan nam bàn oir b’ aithne dhoibhsan na bhiodh ri dhiol air son puirt phìobairean. “Stad, stad, a Theàrlaich òig,” dh’ éigh iad; “tha leòr an sin mu chogadh; am bheil ruidhle idir ’nad mhàileid?” “Cha chualas ruidhle riamh am Boraraig,” thuirt an gille, agus thòisich e ri “Rabhadh Dhun Naomhaig,” am port a chuala Colla Ciotach a phìobair fhéin a’ cluich ’s an taobh an iar, an latha bha chroich ’ga fheitheamh an Dun Stabh-Innis, agus a chuir a bhirlinn mu ’n cuairt na thràth gu dol as air éiginn. “Tha a bhruidhinn fhéin anns a’ cheòl,” arsa Pàdruig, agus e di-chuimhneachadh beumadh Giorsail, is gach nì ach uaill mar athair. ’S ann am meadhoin a’ “Rabhaidh” a thàinig Donnachadh Dubh ’s ball òrdaig air a stioraip a nall o Chaisteal Inbhir-Aora air a’ rathad gu Loch Odha, agus gille cas fliuch as a dhéigh. “S ann shìos an sud bu choir dhuit a bhith a phìobair uasail, agus cha ’n ann an so a’ seideadh air son na dh’ olas tu,” ars’ esan ’s e bualadh a thriubhais leis a chuip. “Tha mo bhean sgìth de ’n chlàrsaich ’s tha i ’g iarraidh na pìoba.” “Cha phìobair bhàn mi, Fhir Loch Odha; éisdeadh do bhean ri srann na cuibheall shnìomha ma tha i sgìth dhe ’n chlàrsaich,” ars’ an gille; mharcaich an ceannard air falbh, thìll na mnathan chon na linne, agus na fir [TD 28] chon a’ chabair agus na clach-neirt, agus ghabh Teàrlach, le ìte bharrachd ’na bhonaid dhachaigh, a’ fagail focal fochaid, ’nuair a bha e falbh, air son athar. Mholaich Pàdruig Dall a mac nach fhac e riamh, gu feasgar, agus phuinnseanaich a bhean ìnntinn. “Tha ’n Gleann a’ magadh ort, a dhuine, o Charnus gu Croit-bhile. ’S e latha dubh, maslach, do losgaidh a th’ ann a Phàdruig Dhoill.” “A Thighearna, ’s e latha dubh a th’ ann dhomhsa air a char is fhearr!” ars’ an duine dall. “’S ann air do mhaslachadh le do mhac diolain fhéin a tha thu, balach gun fhuil air a bhiodaig, aig a bheil an t-uamhar ràiteachas a dheanamh thairis ort.” An sin mholaich Pàdruig as ùr, air a’ chrois, agus Coin Lathurn, agus Claidheamh geal soluis nam famhairean, agus Seachd Ban-bhuidsichean Chothmar. Bha e dona ged a bha e dall, agus chaidh e gu toiseach aimsir air son a chainnt. “Ach a Dhé! ’s e ’m balach a chluicheas?” thuirt e mu deireadh. “O amadain dhoill!” ghlaodh a bhean; “’nam bu mhise thu bhiodh spàg a dhith a’ chuilein roimh bheul an latha.” “A bhean gun toinisg, chluich fir a phìob roimh so agus meòir a dhìth orra; faic Alasdair Corraig!” “Tha sin fìor; ach tha làmh cho furasd’ a gearradh air falbh ri meòir do fhear is tric a thug a mionach a fiadh le sgein-duibh air deadh fhaobhar. An dean thu e no nach dean?” Cha ’n éisdeadh Pàdruig ris a chorr ach thug e ’n t-adhartan air. Thàinig an t-uisge leis an fheasgar. Bha an Aora, an amhuinn cheutach sin, a’ gairich suas an gleann gu Leum-a-bhradain; dhumhlaich na beanntan gu tiugh, trom, mu ’n cuairt air na bailtean tuatha, agus bha [TD 29] barran maoth a’ giuthais agus duilleach donn an daraich òig, ag osnaich anns a’ ghaoith. Thàinig, an sin, garbh shoirbheas, saillte, bho ’n chuan, a bha a’ bleith nan geug ri chéile, agus bha ’n dùthaich uile na ceò leis an uisge bha sìor bhualadh air fhiaradh air, le bodhar fhuaim. Dh’éirich Giorsal, na cuid aodaich, chuir i breacan mu ceann dubh, agus shlacaich an dorus le trom bhuille air a’ leabaidh ’nuair a chaidh i mach do ’n stoirm. Choisich i le ceum trom troimh na boglaichean feurach, ghreimich a fraoch air a h-iorbuill dhràthasach gus a cumail air a h-ais, ach lìon i a cridhe le aon rùn, agus b’ e sin fuath, agus feuch bha i air leathad an Tairbh Dhuibh mu ’n do thomhais a companach dall ’de bha na sealladh. Bha Caisteal Inbearaora na laidh’ aig cas an duin choilltich, agus e ri dùsal aig ceòl na locha mara, a bha deanamh buaireas is cobhar a tuath ’s a deas ann an lag nam beann. An tràth-sa agus a rithist bha ghealach a’ toirt sùil a mach air nìthean, agus air uairibh dheanadh na cailleachan oidhche glaodh ’nuair a bhuaileadh steall froise itean an uchd; leum earba mach as an dubhar os cionn Charlonan agus air h-ais a rithist an clis le eagal; bhuail a bheithir ’s e an dorchadas aodann Beinn Ime agus chriothnaich an saoghal. Anns an trath fhuar roimh bheul an latha bha a bhean an seòmar a’ phìobaire an Inbhearaora, far nach robh dorus riamh air a dhruideadh air an oidhche fhad ’s a chitheadh Caileinn laidir am freiceidean bho Thur Dunchuaich gu Cladach. Bha Teàrlach am pìobair air a dhruim, agus solus athainne bha gun dol as, air aodann agus air a làmhan. “Pàdruig, Pàdruig!” arsa bhean rithe fhéin, agus i cur as an teine le saltairt agus a’ tionndadh chon na leapa. Agus feuch! bha ’n gnothuch [TD 30] seachad. Thug sgian bheag dhubh a fir, beum grad thairis air caol duirn an fhir a bha ’na chadal, agus bha a làmh fliuch le fuil bhlàth a dalta. Leum Teàrlach suas anns an dorchadas le ràn, agus dh’ fhairich e air son a nàmhaid; ach bha an tigh fàs, oir bha Giorsal a’ ruith mar earba thairis air raon bog a Chuirnbhain. Bhuail an dealanach eagach Glenaora le corruich agus buaireas; rinn an tairneanach bodhar fhuaim air a’ Chreig Dhuibh; an tionndadh na glaice aig na trì drochaidean choinnich i a companach. “A nighean na h-ìfrinn,” ars’ esan, “an do rinn thu e? an e am bàs a bh’ ann?” “Eudail,” ars’ ise le gaire, “cha robh ann ach làmh ìsean. Bheir thu dhuinn, ‘Is leamsa ’n gleann!’ ’s a mhaduinn.” [TD 31] EOLAS LEANN AN FHRAOICH. AIR latha breagha àraidh ghabh trì fichead agus a deich de ghillean foghainteach Dhiarmaid an rathad mór sìos Gleann Aora. Is ann a Carnus a bha na fir, agus bha barrachd de Chlann Artair na de Chaimbeulaich ’nam measg; ach bha iad a’ caitheamh breacan Ghilleasbuig Ghruamaich, agus mar an robh iad air gnothuch Ghilleasbuig Ghruamaich cha ’n ’eil sin gu muthadh a thaobh an sgeoil so. ’S ann mu ’n am a bhiodh Triath Unndruim agus a chuid Eirionnach a tigh ’n ’nan deann ruith troimh ar glinn, le an leusan, biodagan, agus claidhnean, agus a bha ’n dùthaich mar bu nos bho shean, ri sìor chath, is gun àiridh bho cheann gu ceann ach air bruaichean Gleann-Shiora, far an robh fine a chum air ais bho ’n tuasaid agus a dh’ ol leann fraoich, a chuir an t-eolas aige farmad air muinntir an t-saoghal. “Togamaid agus falbhamaid oir tha ’n crodh air thoiseach oirnn!” ars’ Alasdair Pìobair, air seannsair pìob-mhór Dunbheagain, port cuimir a rinn glaodh gu basdalach cian, bho Charnus gu Barcalldainn; bha iad an sud, gillean taghta, deas, air an rathad. Bha Niall Mór a’ Chamais air an ceann, an duin’ uasal ud a tha ainmeil an eachdraidh air son iomadh innleachd, agus casgairt nam fear bu treasa air an t-saoghal mar a gheibhear ann an sgrìobadh a’ Mhor-mhaoir Gilleasbuig. “A Dhe, seall oirnn!” thuirt e ’nuair a thàinig a ghillean thar an t-sliabh am beul glas an latha. “Nach sinne na fir cheutach? Bi dearganan an diugh an osain muinntir Ghleann-Shiora.” An sin thilg e suas a sgiath le spagluinn, agus ghlac e i air an roinn a bha ’na [TD 32] meadhoin, gu h-ealant, glan, ’nuair a thuit i rithist air a h-ais le cuairtean siubhlach. Bha na seabhagan a’ tathunn air dhoibh dol seachad; gu h-àrd air an Tulaich bho iolairean ri comhartaich; ghabh luchd nam bròg an rathad cho aotrom ris na féidh; le gaire, seinn, is glaodhaich; cinn chlaidhnean a’ bualadh le gleadhar air sgiathaibh fiodha—agus cha do sheall iad ach aon uair air ais air na mnathan a bha shuas air aodann a’ bhruthaich. Bha na cnothan tiugh ri taobh an rathaid mhóir, an crochadh gu trom bho na meanglain a bha luasgadh anns a’ ghaoith, agus bhuain cuid de na fir iad aig am dol seachad, dh’ fhan iad air son a’ chorra, sgàp iad, agus ghabh iad earrannan de dh’ òrain a tha na ’s cumanta na bu choir dhoibh a bhith air Taobh Loch Odha gus an latha ’n diugh. An sin sheall Niall Mór fo bhonaid air a’ bhuidhinn gu gruamach agus le dream-chraois. “Cruinnichibh, cruinnichibh a steach,” thuirt e “’s ann a tha sibh a’ dol air aghaidh coltach ri dròbh de chrodh Gallda. Alasdair, cuir ‘Bail’ Inbhir-Aora orra!” Dh’ atharraich Alasdair am port, agus chaidh deagh chaismeachd Chlann Diarmaid gu sunndach sìos an gleann. Chaith an aimsir; sheas a ghrian àrd agus brùthaineach; thàinig creòthairean agus capuill-coille a’ gogail a mach as na doireachean giùthais; agus, air dhoibh dol thairis air da amhuinn, chaisg Clann Diarmaid an tart aig burn an Alltain Aluinn, a tha ’thoiseach an àit-éiginn anns na boglaichean a tha ri taobh Beinn Bhuidhe. ’S ann aig Bealach an t-searraich an taobh thall de ’n Mhaim a thachair na fineachan ri chéile. Thàinig fichaed [TD 33] de Chlann ’ic Ealair a ruith ’nan sreath a mach as na preasan, agus thuit iad a rithist air an ais fo cudthrom Clann Diarmad a bha gluasad ’nan cnap, guallainn ri guallainn ann an dòigh a dh’ ionnsuich Niall Mór bho ’n t-saighdear Eadailteach. Thuit feadhainn, an cinn geairte le buille throm a’ chlaidheimh thioraim; rinn cuid eile gréim, agus ’s ann fadalach a bha iad, air na sleaghan a rinn am brodadh gu h-an-iochdmhor; agus bha aon fhear—Iamhar nan Ràmh—a thuislich air bun fraoich agus a thuit le bhrollach air ròinn biodag Dhiarmaid. Chaidh gairm chabhagach do na beanntaibh, agus gun dàil thàinig da fichead de Chlann-’ic-Ealair gu beul a’ bhealaich. Ghabh iad dòigh ùr, agus an dlùth òrdugh chuir iad an aghaidh ri luchd nam breacan uaine ’g an cumail air ais le ròinn an stailinn, ged a b’ iad roghainn Ghleann-Aoradh, agus bha am brògan a’ sleamhnachadh air aodann a’ bhruthaich. Is ann an sin a bha ’n grad bheum ’s an sìor bhualadh, a bhiodag a’ cluich gun tàmh, a bhois an uachdar agus an làmh ìosal gus an loch-bhlein a ruigheachd, agus an tarruing fhada leis an sgein duibh. Bha an anail a bha air a mùchadh a’ tigh ’n a mach le srann troimh bheul is sròn, agus bha fàileadh sàillte na fala, a bha sìor dhòrtadh, a toirt crìth air duilleach beithe agus roid. Ach bha luchd a’ bhreacain uaine daonnan a’ faotainn na cuid a b’ fheàrr. “Bàs, bàs Dhiarmaid,” ghlaodh Calum Dubh ’s e tigh ’n a nuas, le gillean neo-shàruichte a Elerigmor a bha ruisgte gu ’n craicionn, air chùl an da fhichead a bha toirt thairis, agus thàinig cuthach ùr air an da bhuidhinn, agus iad a’ reubadh a chéile anns an lag chumhann eadar na beanntaibh creagach. Bha iad cho [TD 34] dlùth ’s gur a gann a bha farsuingeachd air son oibreachadh ceann-bheairt nan claidhnean, no air son Neill Mhóir ’s e glaodhaich, “Cuimhnich Tom-a-Phubaill agus giorrachadh an stailinn,” ’s e toirt sgàilc do aodann gille cheutaich le cas a chlaidheimh Eadailtich. Bhrìs gach tuagh aig a chois gu meudachd cuirce, agus bhuail iad air seice nan targaidean mar chlachan a’ tuiteam air ciste-luidhe, agus rinn iad gliong air na mìll fhàs; reubte breacan ’nuair a thuiteadh fear a fhuair sàth de ’n stailinn mu ’n robh an lann air a spionadh a mach—fo ’n chois bha ’m feur blàth, sleamhuinn, agus bha fios glé mhath carson. Aon uair bu choltach gu ’n d’ thàinig crioch air Calum Dubh. Le chlaidheamh ’s le sgéith bha aghaidh ri Niall Mór, agus chuir Niall Mór an claidheamh ’s an làimh eile, tharruing e ’n sgian-dubh as a ghartan, agus, a deanamh snag le dheud, thug e ionnsuidh cho luath ri dealan gobhlach, fo sgéith Mhic Ealair. Ruith fear a Elerigmor eatorra; chaidh an sgian-dubh a stigh ’na bhroinn le tais shàthadh, agus spùt an fhuil a mach air adhairc-féidh na coise. “Mallachd ort, bha bhuill’ ud air son fear is fearr na thusa,” arsa Niall Mór, “ach tha e cho maith mar a tha e, oir tha an t-eolas fhathast air faotainn,” agus sheas e suas gu h-àrd danarra an aghaidh buidhinn ùr de mhuinntir Mic-Ealair. An sin dh’ atharraich na siantan, agus thuit ciurach blàth, mar cheò’, air a’ ghleann; thòisich feadhain de ’n chrodh dhubh ri geumnaich aig an àth agus ioghnadh orra c’àite ’n robh na buachaillean, agus na buachaillean, leòinte, ciùirte, air an slachdadh, a’ fàs rag air an reidhlein reubte, eadar am bealach agus tigh Mhic-Ealair. [TD 35] Bho cheann gu ceann de ’n ghleann cha robh fear nach robh aig a’ chath. Bha ’n corran air a thilgeil am measg an arbhair, am fear a bha an dian theas as déigh na h-earba agus an sgian aig a sgòrnan, thionndaidh e a thaobh gu dol chon a’ bhlàir; dh’ fhag am fleasgach a leannan am measg an fhraoich; agus bha iad uile le criosan teann aig an t-seann strì ri Clann Diarmaid, feadh ’s a bha na mnathan fada shuas air na còmhnaird urar, eadar mhullaichean nam beann agus ri taobh nan lochan mointich, a’ snìomh aig a’ chuibhill, no càrdadh clòimhe, a’ seinn òran le crìdheachan aotrom agus gun smuain air cunnart. Air ais chaidh fir Mhic-Ealair roimh Niall Mór agus a’ ghillean calma a Carnus—aite arach nan gaisgeach—air ais troimh ’n bhealach agus sìos air a’ bhràigh gu ballachan Chaluim Dhuibh. “Illean, ’illean!” arsa Calum, “tha sinn an làimh aca gun teagamh ’sam bith—O! na mucan ’s na meirlich! luchd nam beul fiara is mic nam breugairean!” Bhrosnuich an glaodh ’na bha an lathair dhe ’chinneadh. Art agus Uilleam, gillean a’ Mhaim, na braithrean o Dhruim-Liath, agus dithis bho ’n taobh thall de bheinn na Stroine, agus sheas iad le chéile an aghaidh fir Charnuis ann an treun mhisg-chatha! Sheas iad daingean, cruaidh, gu bàs, agus cha b’ fhada gus nach d’ fhagadh ach Calum agus a dhithis mhac ’gan dìon fhéin, gus an do bhruchd Mic Dhiarmaid orra agus an do bhuaileadh iad troimh ’n dorus am measg na mona. “Geillibh agus caomhnar ’ur beatha,” arsa Niall Mór, agus e suathadh a chlaidheimh ann a muilichinn a léine, agus na bha beò de Chlann Diarmaid air a chulthaobh. Sheas an triùir Chlann ’ic Ealair far an robh iad. Sheall Calum air a mhuinntir a bha mu choinneamh, agus chuimhnich e air blàir a thàinig gu caochladh crìche. [TD 36] “Cha bu mhór an cliu bàs fhaotainn a stigh mar gu ’m biodh radan,” ars’ esan, agus thilg a chlaidheamh air an làr far an do lean lannan Airt agus Uilleim e gun dàil. Bha an t-athair agus a mhic le ’n gairdeanaibh ceangailte, air an toirt a mach far an robh an t-aileadh cùbhraidh le boladh beithe agus roid, agus iad urail le uisge nan speur. Bha an ceò a’ togail, agus bha an gleann fad mhìltean a’ coimhead boidheach, gorm, agus bha coilltean sultmhor Bhlarain bhuidhe a’ dheanamh gairdeachas anns a’ ghréin. “Tha sibh agam a nis,” arsa Niall Mór. “Is aithne dhuibh de tha dhith oirnn. An seann chùis-tuasaid—eolas an leanna.” Rinn Calum gaire ’na aodann, agus thuirt a mhic rudan a lot mar gu ’m biodh faobhar sgeine. “A dhuine, ’s e m’ eagal gu ’m bi aithreachas ort air a shon so,” arsa Niall Mór gu socair. “Faodaidh sibh fanoid ach—de ’ur barail air bàs duin’-uasail?” “Claidheamh is biodag ’nam làimh, agus fear no dithis de Chlann Diarmad mu m’ choinneamh,” arsa Calum. “Mata dh’ fhaodadh ròidean bu mhiosa bhi ann gu dol thallud; ach mar a bi eolas an leanna againne air son fheòrach, gheibh sibh bàs nach bi cho uasal.” “Ainmich e mata, ainmich e,” arsa Calum. “An e cainb aig an sgòrnan agus geug ghiùthais?” “Air m’ fhacal,” arsa Niall Mór, “bhiodh an dòigh siubhail sin tuilleadh a’s uasal. Tha an Sgorrnach ’nar rathad agus a theagamh gu ’n taitneadh closach a Gleann-Shiora ris na feannagan a tha aig a bonn.” Ghealaich fiamh Uileim le smaointean air crìch cho gàbhaidh, ach cha d’ thuirt Calum ni ach “Feumaidh [TD 37] sinn bàsachadh co-dhiubh,” agus dh’ fheadairaichd Art bloigh puirt, ’s e bleith le shàil ’s a’ mhointich. Ghluais Niall Mór mar gu’m b’ ann air son an t-athair a bhualadh ’s an aodann, ach stad e làmh, agus thug e àithn’ iad a bhi air an cur a steach le buidheann dhe mhuinntir a’ deanamh faire. Sìos is suas Gleann-Shiora chaidh Clann Diarmad air toir uamha na grùdaireachd, a’ losgadh gach bothain is dachaigh, a’ fagail teallaichean dubha, is àrd-doruis ìosal, aig na mnathan a bha air falbh air àiridh. Thiodlaic iad am mairbh ann an Cill-Bhlathain, agus gabh iad an rathad gu Sgorrnach le Calum agus a mhic, cho fad o’n eolas ’s a bha iad roimhe. Bha Clann ’ic Ealair air thoiseach mar gu ’m biodh spréidh creiche, agus ’s ann mar chrodh air an iomain a bha iad. Rinneadh fanoid agus thilgeadh smùgaid orra, agus bha casan bhiodag agus cromagan air an sìor bhualadh air an guaillibh, agus dh’ imich iad troimh choille Bhlaranbhuidhe gu uileann phreasach Dun Corr-bhile, agus thimchioll chon an Dun air an taobh thall. Ged a bha Calum sgìth choisich e mar fhear a bha làithean a bheatha agus a rùintean fa chomhair ìnntinn; sheall Art mu ’n cuairt air mar fhear aig an robh eolas air frìth; ghluais Uileam le ceum lunndach, trom, le gruaidh ghlas, is suil neo-shocrach. Dh’ fhosgail a choille agus lùb rathad na seilg mu aodann na beinne gus an robh sealladh air an dùthaich gu h-ìosal. Bha Loch Finne na laighe, bho Aird-No gu Rudha na Frainge, mar achadh fada gloine le aon seol ri fhaicinn orra, mach o na Creagain. ’Nuair a stad a chuideachd chrath Calum Dubh a cheann gus a ghruag a chur as a shùilean, agus sheall e air na bha gu h-ìosal. Bha an Sgorrnach a’ fosgladh aig a chasan, aghaidh ghlas na creige a dol sìos astar cho mór, ’s gu ’n robh [TD 38] ceathach fann fathast an crochadh ri ’sliosaibh air a bhristeadh an sud agus an so le bàrr craoibhe giuthais. Thilg a ghrian, air chul an Duin, an dealradh mu dheireadh de soillse air beanntaibh Chomhail; lìon Gleann Ifrinn le cuairteagan de cheò; chrub Beinn Ime, Bheinn Bhàn, agus Beinn Artuir gu chéile, agus chum iad comhradh rioghail an taobh thall de ’n chuan. Sheas Clann Diarmaid ann am breislich, sgìth, agus fo smaointinn; sheall iad agus dh’ éisd iad, agus na guilbnichean a’ glaodhaich gu dubhach aig tràigh. “O deanaibh cabhag ’illean, no cha dean sinn Carnus dheth a nochd,” ghlaodh Niall Mór. “Tha obair air thoiseach oirnn, agus ceum fad’ as a dhéigh sin. Thoir dhuinn an t-eolas, ’ille dhuibh!” Rinn Calum Dubh gàire, agus thilg e smugaid le spagluinn thairis air bearradh na creige. “Trobhad, amadainn; mar a faigh sinn am facal bhuat mu ’m fag a ghrian Sìthean an t-sluaigh ’s ann an sud a bhios do chadal a nochd,” ’s e leigeil fhaicinn an t-slùic gu h-ìosal. Is ann mar sin bu mhodha rinn Calum gàire. “Ged a b’ e ìfrinn fhéin a bhiodh ann,” ars’ esan, “cha saorainn m’ anam bhuaidhe.” “Faic, a dhuine, faic! tha Sìthean an t-sluaigh a fàs dubh, agus faodaidh aon fhear dhibh càch a shàbhaladh fhathast. Bheir mi mo mhionnan air crois mo sgeine.” Air chul nam braithrean bha fear, Iain gun iarraidh, na sheasamh le aodann geairte, ’s e làn deònach an toirt do na feannagan gu h-ìosal. Thàinig crith air bilean Uilleim; sheall e air athair is ceist ’na ghnùis, agus an sin ghluais e ceum no dha air ais bho ’n bhearradh air son bruidhinn ris an duine mhór as a’ Chamas. [TD 39] Thuig Calum na bha air aire agus labhair e gu luath, neo-thaisbeanach. “Stad, stad,” thuirt e; “is suarach an t-eolas e, an déigh a h-uile rud, agus gus beatha shàbhaladh biodh e agad.” Cha do rinn Art ach sealltuinn gu grad air gnùis athar, an sin thionndaidh e mu ’n cuairt le aghaidh air Gleann Shiora, agus sheall e air na beanntaibh far ’m bu tlachdmhor an t-sealg iomadh uair. “Soraidh slan le Mam,” thuirt e ris fhéin; “ach an so tha bàs gaisgich.” “Bha mi smaointinn gu ’n ìnnse’ tu e,” arsa Calum le gàire. Cha robh h-aon riamh dhe ’r cinneadh aig nach robh gréim teann air a bheatha bhig fhéin. “Seadh,” arsa Calum Dubh; “ach ’s e ’n t-eolas agamsa a tha ann. Fhuair mi e o neach a thug orm mionnachadh air an staillinn bheannaichte gu ’n gleidhinn e; ach thoir mi gu Carnus, agus nì mi leann an fhraoich dhuit.” “Mar sin bitheadh e agus” —— “Ach tha so ann, cha ’n fhaod mi sealltuinn anns an aghaidh air fear cinnidh no caraid an déigh dhomh ìnnse, agus mar sin feumaidh Art is Uileam a bhi as an rathad an toiseach.” “An e am bàs a Mhic-Ealair?” “A cheart nì.” Chrìth Uileam mar gu ’m biodh duilleach, ach rinn Art gàire, le aghaidh fhathast ri Siora, or thuig e ’de bha an ìnntinn athar. “Air m’ fhacal!” arsa Niall Mór; “tha sin furasda gu leòr,” agus chrom e cheann ri Iain-gun-iarraidh. Cha do rinn an duine stad no dàil. Chuir e làmh air druim gach mic, agus phùt e iad thairis air a bhearradh gu ionaid am bàis gu h-iosal. Thàinig aon [TD 40] éigh gu cluasaibh Chlann Diarmaid, plosg deireannach a’ ghealtair. “Bheir sinn a nis thu gu Carnus, agus ni thu an leann dhuinn, an leann grìnn, brod leann brìgh-mhor an fhraoich,” arsa Niall Mór ’s e cur na sgeine ris na h-iallan a bha ceangal gaoirdeanan Mhic-Ealair ri thaobh. Leum Calum suas le clag ghàire, agus sheas e rithist air ais air bearradh na creige. “A luchd nam beul cama, amadana, a chlann na muice, an robh sibh a’ saoillsinn!” ghlaodh e. “Thigibh leamsa agus le mo mhic agus gheibh sibh leann, seadh, agus fion dubh a’ bhàis aig cas na Sgorrnaich.” Rug e gu cruaidh daingeann air Iain-gun-iarraidh, agus thilg e e fhéin sìos thairis air aodann na creige. Thuit iad, mar a théid an sgarbh fo ’n tonn, dìreach gu cuan doilleir a’ cheò ’s nam bàrr giuthais, agus thilg Clann Diarmaid iad fhéin air an uchd gu sealltuinn thairis. Cha robh ni beò ri fhaicinn ach na feannagan a’ siubhal air sgiathan dubha; cha robh dad ri chluinntinn ach na feannagan a’ sglàmhraich. Chuir Niall Mór a bhonaid air a cheann, agus thuirt e cheud rud, agus an rud mu dheireadh ann an dòigh chairdeil mu nàmhaid. “Bha crìdhe gaisgich ’nad chòm,” ars’ esan. [TD 41] CLANN BHOBOON. THA trì finnichean fuadain a’ roinn eatorra na dùthcha bho Chnapadall gu Lathurn, agus is iad na Domhnullaich dhubha, a chlann aig seann Bhoboon, is sine agus is cudthromaiche dhe ’n triùir. Tachraidh tu orra air na ròidean a rinn “Wade,” balaich uallach, car danarra ’nan coltas, agus bòsdail; a chlann-nighean le sùilean mar an àirneag, ’s iad àrd, luthor, ag imeachd le ceum neo-thròm, àrd ann an uachdar na troidhe, aotrom, neo-thuisleach mar am fiadh. Air an ceann chìthear seann duine caol, àrd, air treosdain—Iain Grìnn Mac Dhomhnuill—seann Bhoboon, athair agus ceann na treubha is uaisle de na finneachan fuadain. “A dhuin’-uasail,” their Boboon riut, “is mise am fear mu ’m bi thu ’leughadh anns na leabhraichean gu’m bi mi ’g ìnnse’ sgeulachdan na Féinne; an éisd thu ri te dhiubh air son aon sgillin Shasunnaich, no an ceannaich thu maghar air son an ìasgaich? Air neo an cluinn thu fior phìobaireachd ionnsaichte bho mhac mo nighin, an lasgaire a ghiulain airm an Rìgh?” Ma dh’ fheumar an fhìrinn innse’ tha phìobaireachd de ’n t-seors’ is mìosa, ach tha maghar agus na sgeulachdan cho maith ’s a tha air an t-saoghal. Gheibh thu cuid dhe na sgeulachdan ann an sgrìobhaidhean Iain Oig Ile—mar a tha “Math-ghamhainn donn a’ Ghlinn Uaine;” ach tha chuid is fearr ri ’n cluinntinn ’nuair a chuimhnicheas Boboon orra ’s e na shuidhe comhladh riut ri taobh an rathaid, no air an fhraoch ri taobh a’ ghealbhain anns an fheasgar ’nuair a tha na h-iolairean donna ìteagach a’ tathunn ris a’ cheò air Braigh-a- [TD 42] bhealaich. Eisd gu maith ris oir tha ghibht aige. Fhuair e i bho athair; fhuair esan i bho mhàthair a bha iomadh oidhch’ fhada, chaithriseach, na laighe air leabaidh tinneis, a’ meòrachadh, mar a bhios muinntir shlàn a’ tional chnò—rud mìlis bho phlaosg searbh. Agus ’nam biodh uine agad (mar bu choir e bhith aig a h-uile duine glìc) dh’ fhaodadh tu iomadh sgeul a chluinntinn bho sheann Bhoboon, ach cha chluinneadh tu idir an sgeul mu thrì cothroman fhéin. Thachair aig am àraidh gu ’n do ghabh an ceannard a bha anns a’ bhaile ’na cheann gu ’n deanadh e de Bhoboon, duine callda, suidhichte, an aite bhi ’na fhear-tathuich nan coilltean agus nan rathaidean móra. Rinn e gréim air an toiseach, agus e leis fhéin, agus chuir e ann am féileadh dheth bhreacan fhéin e, ochd slatan mu chul nan cruachan, air an làn fhìlleadh, le osain de shnàth grinn agus cota le pùtain airgid. Chuir e beagan airgid ’na sporan, agus thug e aite suidhe dha astar beag sios aig a’ bhòrd. Bha am beathachadh saoibhir, agus an obair taitneach do fhear fuadain; oir cha robh aige ach fead a dheanamh air uairibh ri cù, ceathramh a sheinn, no sgeulachd ìnnse, no dhol mu ’n cuairt anns a’ ghàradh air chul an tighe. “Ho, ho!” arsa Boboon, “nach bu mhise ’n gille tapaidh air tigh ’n gu chuid fhéin?” agus rachadh e mu’n cuairt an aite le spagluinn pìobaire, ’s e bualadh an fheòir agus nam preas le slait, ’na chuairt, mar a ni daoin’-uaisle le an cuipe marcachd. Ach ’nuair a bha bail’ Ionaraora ’na laighe an dorchadas oidhche geamhraidh, agus a bha teaghlach a cheannaird aig tàmh, chluinneadh Boboon muinntir a chinnidh a’ gairm air bho thaobh a mach a’ bhalla. [TD 43] “Boboon, O, Boboon! a sheann ghaisgich, thig agus bruidhinn ri do chloinn.” Rachadh e chon a bhalla a bha na b’ isle a stigh na bha e muigh (b’ e am balla aig seann Chuintinn far am bheil buidheann de Chaimbeulaich a’ mharbhadh le madaidh Ionaraora ’nan laighe fo leac-chuimhne le sgrìobhadh Laidinn), agus shealladh e sios air a chàirdean a’ ruith ’s an dorchadas mar gu ’m biodh feòcullain, nan fheilidhean ’s nam briogaisean luideach ’s an gruag stiallanach a’ luasgadh anns a’ ghaoith. Bhiodh na mnathan fhéin ann le ’n leanaban a’ caoineadh air am muin. “Seadh! seadh! an e seo sibhse mo mhuinntir chridheil!” chanadh e: “’s mi tha toilicht’ ’ur faicinn agus fàileadh toit tein-fhiodha fhaotainn dhibh—‘Cia mar a tha cùisean air an rathad?’” “Cha do ghluais sinn a so o’n dh’ fhag thu sinn Iain Ghrìnn. Tha sinn a’ campachadh anns an Toll Ghorm, ’s cha d’ thàinig thu riamh faisg air do chloinn no do chàirdean.” “A Dhe! so fear a tha duilich air a shon sin. Ach cha leig iad mi thairis air a’ bhalla. Ma bhios tu ’nad dhuin’-uasal,” ars’ an Caiptein, “feumaidh tu fuireach bho na coilltean agus na roidean mòra.” “’S an toil leat sin, a Bhoboon?” “An toil leam e, a ghaisgeacha! Mar a b’ e an urram agus an t-socair, thoir dhomhsa teine de bhun giuthais an Gleann Crò agus dineir de dh’ fhuaraig. Cha ’n e ’n latha ach an oidhche is beag leam. ’Nam laighe stigh an sud air leabaidh phost, tha mi ’g am thachdadh le cion an àileidh, ged tha na h-uinneagan ’s no dorsan fosgailte gu farsuing.” “Thig leinn, a Bhoboon; is beag ar sealbh ’s an ìasgach, agus cha mhór sgeulachdan a chuala sinn o’n thug thu am bail’ ort.” [TD 44] “Cha tig, cha tig, a ghràidh. Mallachd Chonain, tha mi ’g ìnnse’ dhuit nach téid! An so tha comfhurtachd agus gach latha làn a bhronn fhéin.” “Ach cuimhnich an t-saorsa tha an taobh a mach Iain, a sheann ghaisgich! An raoir bha an teine bu bhreagha againn; bha na sradan air ìteig mar gu ’m biodh na h-eòin a measg craobhan beithe an Diùc, bha an talamh seasgair tioram, agus” —— “Bi falbh tha mi ag ràdh nach téid!” “Eisd! An diugh bha sinn a measg nam maigheach geala an taobh thall de ’n Bheannan, a’ bualadh n a feadhnach móra le ’r cuailleachan. Cha robh leithid de shéilg an Albainn uile!” “Maighich gheala!” “Seadh, maighich gheala, a sheann laoich! Agus tha puirt ùra aig Alasdair beag o’n dh’ fhag thu sinn, agus port-mór a dh’ ionnsaich e bho Mhuileach.” “An e Fàilte an Rothaich?” “Fada na’s fearr na sin; port fior ghrìnn! Thig a mach agus cluinn e.” Ach leig Boboon a thaic air a’ bhalla le ghairdeanaibh, agus cha d’ thug e ionnsuidh ’sam bith gu falbh le chloinn. “Thig agus gabh cuairt,” arsa chlann-nighean, agus, dhìrich Beataidh, a nighean, suas le cois ann a’ sgoltadh a’ bhalla gu bhi ri thaobh, agus a làmhan a chur, le brosgul, mu mhuineal. “A laoigh mo chridhe!” arsa Boboon agus e sliobadh a gruaige gu socair le làimh. “Tha deagh bhiadh againn,” arsa chaileag ’na chluais. “Anns a’ mhaduinn ’s e ìasg bruich is uibhean thunnag a bha againn; agus bha staoig de dh’ eilid reamhar againn gu ar dineir.” “Earb agus a mionach air a thoirt àisde?” [TD 45] “Cha ’n e! Cha ’n ’eil an sin ach dòigh aimideach, agus milleadh air biadh maith. Ach, athair, thig leinn. Cuimhnich air torman gucagach nan allt, na reultan a’ dealradh troimh gheugaibh nan craoibh, agus fàilidhean cubhraidh na maidne.” “Sìos, sìos, a nighean na te so! An e mo bhuaireadh a dheanadh tu?” ghlaodh Boboon, a putadh sìos na nighin o’n bhalla, agus e greasad air ais le gluinean critheanach gus an lic Laidinn. Bha an oidhche dubh-dhorcha agus air son na mhothaicheadh e le fradharc a shùla dh’ fhaodadh e bhith an teis-meadhon monadh oiteagach Rainich, gidheadh bha tighean a’ bhaile le ’n tulchainean a’ dumhlachadh a chridhe gu teann. Bha e ag ionndrainn an t-soirbheis shaoir shiubhlaich: bha fhàileadh mona agus guail bho theinntean smàilte, agus chuir e mach stùr an aoil as a sgornan le smùgaid. Air an taobh eile dhe ’n bhalla theich an Cinneadh air falbh le sgrìob mar gu ’m biodh na niosan. Cha robh dhànachd aca fuaim a dheanamh air eagal am baile dhusgadh ach le guthan tùchanach ghlaodh iad a mach comhlath —— “Bhoboon, Bhoboon! O thig dhachaigh do ’n choill, a Bhoboon!” Thachair a ni ceudna an ath-oidhche agus an oidhche as a dhéigh sin, agus bha e coltach ri dol air aghaidh gun chrìch. Thigeadh na fògaraich a ghnàth chon a bhalla anns an oidhche a’ guidhe air an ceann cinnidh tigh ’n a mach. Air oidhche àraidh thilg iad coileach dubh thairis, agus thuit e a’ sgiathadaich aig casan Bhoboon agus e ’na sheasamh anns an dorchadas, ag éisdeachd ris na Domhnullaich dhubha, is iad a’ fann thuireadh air an taobh a mach. [TD 46] Thog e an t-ian agus ruith e mheòirean gu tlusail troimh ìtean. Ghluais an teas na brollach, agus loisg e gu fhiabhrus ’na achlais leòinte. Bha a chridhe crion a’ plosgadh air òrdag Bhoboon mar gu ’m biodh bioran druma. “Eoin bhochd,” deir e, “Is maith is aithne dhomh co as a thàinig thu agus na h-aimsirean subhach a bha agad. Thug thu mach an t-àl am bràigheachan Beinn Bhuidhe, agus bha thu clocail am measg na cuilce mu thaobh an t-sleibhe àird sin. Bha an Dubh Loch ’s a’ mhaduinn mu choinneamh do shula geir, agus an t-Siora a’ lubadh mu ’n cuairt mar chrios airgid. Is cinnteach mi gu ’n deach’ thu air an ìteig aig glasadh an latha, thairis an Stuc Scardain gu Gleann Aora, gu bhi sùbhach le do chompanaich air feadh fraoich is rainich. O! choilich dhuibh, a choilich dhuibh, is cruaidh ar cor le sgiathaibh briste agus an cridhe fhathast làidir!” Chuir e car an amhuich an eòin, agus dhìrich e am balla gu dol còmhlath ri chinneadh. Cha do thachair n’ a b’ fheàrr do ’n ath chothrom a fhuair e. Bha e air ais le fhéileadh is cota-gearr an ceann bliadhna, agus aig an am so dh’ fheuch an ceannard cleas eile—saorsa coin a’ bhi aige—mach air an rathad mhór mar a thogradh e fad an latha ach an tigh chon air an oidhche. Air la àraidh bha Boboon air turus dha mhaighistir mu ’n cuairt na Sroine, aig àm an earraich. Aig leitheach traghaidh bha an cladach glan, ùrail, agus bha an làn a’ bristeadh aig oir na tuinne cho ciuin ri cat ag òl bainne. A’ coiseachd timchioll na Sroine, air an rathad bhuidhe chruaidh, thàinig e fo smaointinn air cor àghmhor a’ chuain, cia iomadh bàgh do ’n do shiubhail e a [TD 47] latha agus a dh’ oidhche; an càirdeas a bha aige ri rudhachan fad as, agus a chomhstri bheothail a bha aige ris na creagan dubha. Cha robh garadh-criche an so aig am air bith, ach a ghnàth saorsa, luaineachd is seacharan, suain no seinn a réir gne tograidh no smuain, agus a chluich a bha aige ri birlinnean agus loingeas aotrom, glaodh subhach nan gaothan agus luasgadh nan geug le fàilte air eileinean cian a’ chuain. Dh’ fhosgail an rathad air thoiseach orra—earran ghoirid còmhlath—an seorsa rathaid a thaitneas ri fear fuadain, gun astar mór ri fhaicinn le aon sealladh. Anns a’ choille challtuinn ri taobh na slighe bha rùsg nan craobh òg a’ seasamh a mach cho dìreach ris an t-seilistear. Thòisich Iain Grìnn, agus a ghrian a’ bualadh air a dhruim, ri seinn “Coire Cheathaich” Dhonnachadh Bhàin:— ’S e Coire Cheathaich an t-aighear priseil, ’S an t-aite rioghail mu ’m bidhte sealg, ’S bi feidh air ghiùlan le lamhach fùdair, Cur luaidhe dhù-ghorm gu dlùth ’nan calg. Is lionmhor cnuasachd a bha mu ’n cuairt duit, Ri am am buain gu ’m bu luaineach clann, Ri tìonal guamach gu fearail suairce, ’S a roinn gu h-uasal na fhuair iad ann. A’ dol timchioll Dundarabh bha an rathad dìreach roimhe a’ sìor fhàs na bu chaoile ’na shealladh mar a b’ fhaide bha an t-astar gus nach bu mhò e, ar leis, na gob snàthaid a’ tolladh nan craobh, agus neul stùir aig a cheann. “Ciod e tha agam an so?” thuirt Boboon ris fhéin, ’s e dol air aghaidh le sìnnteagan agus am féileadh a’ bualadh air easgaidean. Dhlùthaich a neul ris, agus feuch bha an sin a chinneadh fhéin air an triall, slaodach, dusail, sgapte mar gu’m biodh na feannagan air an rathad. [TD 48] “Boboon, Boboon,” ghlaodh iad, agus iad an crochadh ris, a’ meurachadh cho grìnn ’s a bha chuid aodaich. Sheall e orra agus iad donn leis a’ ghréin, chunnaic e am pòll buidhe an sgàineadh am bròg, na fir fuasgailte, gun riaghailt, na mnathan, gruaidh-ruidhteach, abuich, uchd-dhomhain, le sùilean neo-sgathach, agus lìon so uile e le àrd-shòlas! Ghluais togradh ’na chridhe nach b’ urrainn da mhùchadh. “C’àite ’n robh sibh an dé?” dh’ fheòraich e. “Air taobh an Tàimh an Gleann Crò, air leapaichean de fheur greidhte, bàn, agus gun cabhaig gu gluasad.” “C’àite am bheil sibh a’ dol?” “An do dhi-chuimhnich thu cleachdadh an t-seachranaiche, a Bhoboon? C’àite am bheil an rathad so a’ dol?” “Is maith is aithne dhuibh, a ghaisgeacha! Théid e gu crioch toil an fhir shiubhail. Ma their esan:— “Fanaidh mi ’n so, ’s e sin crioch an rathad; ach ma tha a rùn air caochladh dòigh, bheir e gu crioch nan laithean e. Air m’ anam, ’s e sin toil-ìnntinn gach rathaid nach ’eil anns a’ bhaile mhór, agus a nis o’n a smaointich mi air, biodh an Caiptein a’ feadaireachd air son a ghnothuich, oir is mise Boboon agus mi seachd sgìth de chlachan a’ chabhsair.” Mar so fhuair an oidhche Boboon agus a chinneadh fada thall air chul Ach-nam-breac, monadh baile agus ionad bòidheach, far am b’ fheàrr le feadhain is aithne dhomh bhith, na bhith siubhal air feadh an t-saoghail. Chaidh na laithean seachad, agus air do ’n Chaiptein a’ bhi aig Féill Chill-Mhichail air la Féill Mhartuin, thachair e air Boboon, agus a mhuinntir aig iomall aite a’ mhargaidh. Anns na laithean ud bha Boboon cho [TD 49] dìreach ri slait oig sheilich, geur, caol, uilt mar iall, agus cho sùbailte ri cat-fiadhaich. Bha e ’cleasachd leis a’ sgein-duibh, ’ga sàthadh anns an talamh aig sàil a choise toisgeil, agus a’ snìomh a làimhe deise mu lurgainn gus a toirt as gun a ghluin a lùbadh. Cha bu chleas chliùiteach no gaisgeil ’sam bith a bha ann ged a thairgneadh i an t-sùil, gidheadh bha ceannaichean nan treud a’ dòmhlachadh mu ’n cuairt. Bha Beataidh a nighean còmhlath ris. Bha Beataidh coltach ri h-athair, ach bha teanga mhìn a màthar, nach bu mhaireann, aice, agus beagan sgoile a dh’ ionnsuich i bhuaithe, rud air nach do chuir Iain Grìnn feum uair air bith dheth aimsir. Thuit sùil a’ Chaiptein air an dithis aca far an robh iad ’nan seasamh, agus da fhichead de mhuinntir an cinnidh a dol mu ’n cuairt a’ mhargaidh, agus bhuaill e na inntinn an treas cothrom agus an cothrom mu dheireadh a thoirt do Bhoboon. “A Bhoboon,” ars’ esan, “thig air d’ ais do ’n bhaile an aon uair so, agus cuiridh mi thu fhéin agus do nighean suas ann an tigh leibh fhéin.” Mu ’n d’ thàinig an t-seachduin gu crìch thachair a ni a bha ’na shealladh. Fhuair Boboon agus Beataidh seòmar le ùrlar fiodha air òighreachd Mhic-a-Bhiocair, le teine an taobh a bhalla, le luidheir air a chlachaireachd a stigh, agus goireasan beusach eile. Dh’ fhan iad mìosan, dh’ fhan iad bliadhnaichean, agus ghuidh an cinneadh orra iad a thigh ’n dhachaigh, ach cha d’ thàinig. Chuireadh Beataidh gu na leabhraichean agus ealdhain mhnathan uasal le màthair agus piuthar a’ Chaiptein, agus gabh i riutha cho maith ’s ge b’ i nighean Ridire. Chaill i blas cainnt muinntir an rathaid, chuir i a falt fuadain fo bhann; gabh i ri [TD 50] bearradh is cìreadh, gus mu dheireadh an robh i co-ionnan ri a luchd teagaisg an loinn agus am bòichead. Latha dheth na laithean bha an Captein a’ coiseachd anns an lios fo throm smuaint, ’nuair a thachair a nighean ris ’s i gluasad am measg nam preas. Is e so a cheud uair a fhuair e fìor shealladh dhith (oir faodaidh aon a bhi sealltuinn air neach eile fad bhliadhnaichean agus gun fradharc ceart fhaotainn gus an tuit lann bho shùilean), agus feuch! an so bha te a chuir a chridhe gu bualadh. B’ e sin a cheart oidhche chuir Boboon crioch air a chothrom mu dheireadh. Dh’ fhag grian laidir an latha an oidhche teth aitidh, agus bha ceò an crochadh thairis air an dùthaich mar a chithear anns a’ chearn sin ’nuair a bhios reothadh glé chruaidh ann. Bha Tighean Mhic-a-Bhiocair làn de dhroch bholaidhean—bho fhallus chreutairean, agus bho uisge salach, bho ìasg ’s bho fhàilidhean groda ann an tuill dhorcha—agus ghabh sròn ailgheasach an Domhnullaich sgreamh dhiubh uile. Thilg e fosgailte an dorus agus an uinneag, agus leig e thaic a mach air an uinneig, a mhuineal ruisgte agus a bheul sinte, fosgailte, ’plosgadh air son anail nan speur. Sheall a ghràisg chloinne bha aig a chul suas agus rinn iad gàire fanoid. “Seall, air Boboon, Boboon, athair na ban-tighearn, Beataidh!” ghlaodh iad, agus chrath Iain Grìnn a dhorn agus mholaich e iad fhéin agus an teaghlaichean. Ach cha b’ ann mar so a gheibheadh e saor ’s an dragh; dh’ éirich e agus chaidh e mach gu cul a’ bhaile, agus chaidh e na shineadh fo na craobhan mòra, le chluas ri talamh. Bha an crodh ri thaobh ag ionaltradh air an fheur bhrioghmhor, mhìlis, a’ cagnadh gach grama ’s ag analachadh le toilinntinn cho mór, ’s gur gann nach ro e miannachadh gu ’n robh [TD 51] chàil cheudna aige fhéin. Bha chluasan geur a’ clais’neach ri leumnaich chreutairean air an fheur, agus sgrìobadh ingnean anns a’ choill; bha e cluinntinn stairirich chasan beaga, agus na h-eòin a’ suathadh rùsg nan craobh agus iad a’ tionndadh ’nan cadal. Shaoileadh fear a thogadh anns na bailtean mòra gu ’n robh an saoghal ’na chadal le meud na samhchair; ach chuala Boboon dàn na h-oidhche, saoithreachadh na h-earrann sin de ’n t-saoghal a tha tigh ’n beò, agus a soirbheachadh ann an dubhar agus fo shoillse nan reul. Bha e nis a leigeil a thaic air uilinn agus a shùilean a’ gluasad am measg nan crann-faidhbhile, suas gu ’m barran cnapach, cho stolda ciuin, agus a steach do na cùiltean diamhair, a bha theagamh làn de dhaoine beaga nan sìtheanan, le an giseagan. Agus an sin n’a b’ fhaid’ air ais, agus os cionn chàich uile, bha Dunchuaich cho stàtail a’ togail a gnùis, feusagach le coille, gu na reultan! “’Nan tigeadh soirbheas cha ’n iarrainn an corr,” arsa Boboon, agus cha bu luaithe thubhairt na thàinig a ghaoth, le fhàileadh na mara, bho ’n chuan. Dh’ fhàs taobh na dùthcha fionnar, agus thàinig cubhraidheachd ùr bho fheur ’s bho fhonn. “A Dhe, A Dhe!” ars’ am fear fuadain, “tha sinn an so ainmhidhean is eunlaith, agus a chuid is fearr do Bhoboon uile comhlath! So ait’ an tàimh agus a’ chridhe làin.” Dh’ éirich e agus ruith e do ’n bhaile, suas gu geata a’ Chaiptein agus a steach ghabh e. “A Mhaighstir,” ghlaodh e, “’s i an t-seann sgeul a tha ann—feumaidh mi bhi gabhail an rathaid; cha ’n ’eil tàmh an so air son Iain Grìnn Mac Dhomhnuill!” “Ach fagaidh tu nighean,” thuirt an Caiptein, oir chunnaic e an t-seann teasach, an sùilibh an duine. [TD 52] “Tha mi an déigh tlachd a ghabhail dhith, agus” —— “Bitheadh e mar sin! fanadh i.” “Pòsaidh mi i mu ’n tig an la màireach gu crich.” Pòsaidh!” dh’ eigh Boboon, agus e siabadh na gruaige bho aodann le làimh a bha air chrith le imcheist, “Phòsadh tu nighean an deòraiche?” “Mata, a theagamh gu ’m bi iad a’ bruidhinn; ach tha buaidhean aice chuireas gach ni eile air di-chuimhn, agus tha i maith ni ’s leòr gu bhi ’na bean rìgh.” “A Mhaighstir,” arsa Boboon, “cha ’n ’eil agam ach aon ni ri ràdh, agus ’s e sin ar sean-fhocal Gàidhlig fhéin, ‘’S tearc na measain an cuain an t-sionnaich.’” Dh’ fhàs aghaidh a’ Chaiptein cho dearg ri pheiteig, agus bha làmh suas deiseil gu freagairt a thoirt do Bhoboon, ach bha cuimhn’ aige gu ’m b’ e athair na h-ighinn. “Ma ’s a cunnart e seasaidh mi ris,” thuirt e, “agus faodaidh tusa dol air do shlighean seachranach oir tha Beataidh deònach.” “Cha ’n ’eil teagamh,” arsa Boboon, agus dh’ fhalbh e. Anns a’ mheadhoin oidhche bha e mar gu ’m biodh balach òg a’ glaodhaich air ais ri na comhachagan air bruthaichean Coille-Bhraghaid, agus aig beul an latha, lainnireach leis an driùchd, bha e na sheasamh, aig oir nam beann a tha am fradharc da locha, a cheann àrd mar fhiadh a tha srònagaich an fhàilidh. Thionndaidh e mu ’n cuairt do gach àird, ag amharc bho Chruachan gu Comhal, agus cho fad ’s a tha sealladh aig fear fuadain, bho Chnapadall gu Lathurn, agus feuch shìos aig a’ Chamus bha camp a chinnidh! Dh’ fhag Beataidh a nighean tighean Mhic-a-Bhiocair anns a’ mhaduinn; phòs i an Caiptein, le suidheachan ’s an Eaglais, agus luchd-taghail bho ’n Chaisteal fhéin. [TD 53] “Stad, stad,” arsa seann fhear Chreag-an-Iubhair ’nuair a chual’ e an sgeul. “Chi thu gu nochd an sionnach e fhéin an uine gun a bhi fada.” Ach cha robh an sionnach ann; bha e ’leigeil latha seachad mar a thachras aig àm ’nuair a bha latha maith seilg ann an dé. Shoirbhich gach ni leis a’ mhnaoi gus an d’ thàinig a chuid a b’ fheàrr gus a chuid bu mhìosa, agus chaochail i aig breith a ceud leinibh. B’ i sin a bhliadhna ghais an coirce, a thug bochdainn gu Inbhir-Aora, agus an t-aran dubh gu bord a’ Chaiptein; ach bu ro ait leis-san aran dubh is brochan ’nam bu mhaireann Beataidh gus a roinn. Thug e chon an òil, agus dh’fhag e am balach gu bhi air a thogail le mnathan aig nach robh aithne air gillean gun stamhnadh. Dh’ fhàs am balach mar gu ’m biodh craobh ghiùthais; dìreach, àrd, fuil theth ’na chuislibh, air a luasgadh bho thaobh gu taobh le gach togradh agus faoin smuaint. Cha robh ni dhà-san aig uair air bith ach each is gunna, gréim bidh a thiolpadh le deagh chàil, agus air falbh a rithist do ’n choill no do ’n fhireach. Thàinig e gu eolas a bhi aige air cleachdaidhean diamhair nan creutairean a bhios ’g am falach am measg fòlaich is conuisg; le aon fhead bhreugadh e na h-eòin gu tigh ’n a’ sgiathalaich gu shàil. Bha peiteag fhuasgailte agus muineal lòm daonnan a’ ceiltein na h-uaisle, agus b’ iad na companaich bu dlùithe bha aige fir dùthcha le làmhan cruaidhe agus clag ghàire mór. Air la àraidh smaointich an Caiptein mu dheireadh rud-éiginn a dheanamh ris an lasgair òg so, agus chuir e fios air. “Ille,” ars’ esan, “am bheil thu aig do leabhraichean?” [TD 54] “Cha ’n ’eil, ach —— ach tha dòigh aithghearr agam air son nam broc,” fhreagair am balach. “An do ghabh thu leasan an diugh?” “Cha do ghabh no leasan, bha mi cho saoithreachail a’ tigh ’n beò.” “A tigh ’n beò, ’n e thuirt thu?” “Seadh, a tigh ’n beò. Bha mi aig an t-snàmh aig na Creagain, agus anns a’ ghréin air na bràigheachan os cionn a’ Ghearrain ri taobh a’ gharadh-chriche far am bi na gràineagan a’ crùbadh, agus tha mi nis air ais bho ’n iomain,” agus chrath e ’n caman ’na làimh. Thàinig an Caiptein fo smuain, a smeig ’na làimh agus uilnean air a’ bhòrd, far an robh botul agus gloine ri thaobh. An déigh tacain thuirt e, “Fhaic so, a mhic, ’de cheàird a tha thu rùnachadh a leantuinn?” “Tha mi air son obair a’ chlaidheimh,” thuirt an t-oigeir, e fàs dearg agus crìth na aodann. “B’ fhearr leam d’ fhaicinn an ìfrinn an toiseach!” ghlaodh an Caiptein, ’s e bualadh a’ bhuird le dhòrn gus an do rinn a ghloine gliong. Bha e fhéin ’s na cogaidhean céin agus lotadh e air a loch-bhlein. B’ e toiseach na h-aimhreit a bha eatorra. Bha chuis air a tagairt gu danarra, cruaidh, an t-athair air son ceàird shìothchail, agus an t-òganach air son a dhòigh fhéin, agus mu dheireadh, latha dheth na laithean, thuirt an Caiptein:—“Thoir an dorus ort, a pheasain, agus gabh gu d’ fhail le clann Bhoboon do ’m buin thu! Air m’ fhacal bha ’n fhìrinn aig do sheanair ’nuair a thubhairt e nach robh measan riamh an cuain an t-sionnaich.” Cha robh fhìos aig a’ ghille co dha bhuineadh e, oir cha d’ thàinig na Domhnullaich dhubha an coir a’ bhaile bho ’n dh’ fhag Boboon e an uair mu dheireadh; ach chuir e air a bhonaid, agus ghabh e mach as an tigh, agus chon an rathaid mhóir. [TD 55] Bha aimsir a’ gheamhraidh dlùth, latha buaireasach, agus duilleach craobhan an Diùc a’ stàrbhanaich gu tiugh os cionn tubha nan tighean agus troimh shràidean a’ bhaile. Bha stuadhan nan tighean a’ seasamh gu tiorail, càirdeil, blàth, agus bha ceàrnagan gloine nan uinneag a priobadh le solus nan teinntean móra mona a bha an taobh a stigh. Os cionn a’ bhalla bha na h-eòin-mhara sgrìachail, agus bha na feannagan a’ ròcail gun stad, a’ sìor ghluasad am measg nan geug air chul tighean Mhic-a-Bhiocair. Agus a ghaoth le fàileadh na mara! Sheid i o ’n bhàgh iosal aig aon cheann a’ bhaile, agus sheid i troimhe chon a’ chinn eile, agus gill’ òg a dol air thoiseach a mach do ’n t-saoghal mhór, fharsuing, a tha tòiseachadh aig oisinn a bhàilidh. “An ann gu taobh cladach a mhachaire no rathad nan coilltean gu na beanntaibh?” dh’ fhaighnich an gille dheth fhéin. Bha an caman fhathast aige na dhòrn, agus thilg e suas e, “Bas air son an rathaid mhóir, agus cas air son an ìsil.” Thuit an caman “bas,” agus thug ar laoch an rathad mór gu tuath air. Stad e an ìmcheist aig na Roinnean-cuairte, agus sheall e air ais air aghaidh a’ bhaile agus an laimhrig le na lòchrain olaidh. Bha ìnntinn car ag aomadh gu fuireach, ach chuir e an smuain sin as a dhéigh, agus shin e chon a’ bhruthaich a’ feadaireachd port-imeachd pìobaire. Aig ceann a’ bhruthaich chaill e taighean a’ bhaile, agus bho nach robh e furasda cur suas le sin cho tràth, ghabh e sios rathad chon na làimhe deise, agus sheas e air achadh Baile-Gheamhraidh. Bha an oidhche tuiteam gu luath dubharach, bha smùr trom uisge drùghadh air an fheur, agus bha na craobhan air gach làimh a’ crathadh an uisge ’na bhuilgeinean bho na geugan. [TD 56] ’Nuair a ràinig e Ceann-a-Chreagain bha losgadh teine os cionn nan craobh ri taobh na h-aibhne, agus i a’ beucadh le meud an uisge, agus chaidh e sìos agus chunnaic e buidheann de luchd fuadain fo na craobhan. Bha iad an sin sean is òg, fir is mnathan, ’nan laighe agus ceò asda air leapaichean boga de gheugan giùthais, òrdagan an cas ri na maidean conaidh, srànn aca mar a bhios a ghnath aig luchd an trom chadail, air am fasgadh o’n uisge leis na meanglain thiugha, le slìos na beinne, agus an àiteachan cadail le comhdach de aodach còrcaich. Cha robh ach a h-aon diubh air a chois, seann duine fada le peirceill thana agus sùilean dubha, Iain Grìnn MacDhomhnuill. Bha e brodadh nam maidean conaidh le ceann iaruinn luirg, agus a’ gabhail òran Peairteach le crònan, agus eun air a spìonadh a’ ròstadh air an teine. Dh’ éirich fàileadh na sìthne agus an teine gu taobh a ghàraidh far an robh an gille na sheasamh ann an crith-fhuachd le chuid aodaich fliuch, agus bha cobhair anns a’ champ air nach b’ urrainn da dol seachad. Ghearr e leum thairis air a’ ghàradh gu solus an teine, agus ioghnadh air ’de ’n fhàilt a gheibheadh e. Sheall seann Bhoboon suas le làimh os cionn a shùilean, agus sheas e ri taic nan lorg agus chuir e làmh air guallainn a’ ghill’ òig. “’S ann a baile Inbhir-Aora a tha thu?” thuirt e. “’S ann,” ars’ an gille, “ach cha ’n ’eil Inbhir-Aora air mo shon-sa na ’s mò.” “Ho! ho!” arsa ’n seann seachranaiche le gàire. “Suidh sìos a dhroch spealg, agus gabh mir, le do mheòirean de chearc do sheanar. Faodaidh clann Bhoboon a’ bhi mall is cian, ach is fior dhachaigh an dachaigh fhéin dhoibh a ghnath.”