[TD 1] EACHDRAIDH AIR BAIL-’AN-RIGH A BHA FO RIAGHLADH NAN CEARD A BHI AIR A GHLACADH AGUS AIR A GHLANADH LE Domhnull Catanach a bh’ air an t-Sliabh am Bàideanach (1813-1891) AIR dhomh bhi air chuairt ’san t-saoghal thachair dhomh teachd gu baile àraidh. Bha am baile so mòr agus iongantach. Chaidh e tre iomadh caochladh o chaidh a thogail an toiseach. Bha a gheatachan agus a shràidean air an suidheachadh le a leithid de ghliocas agus a dh’òrdugh ’s nach b’urrainn mise gun bhi glaodhaich a mach gu’m b’iongantach agus mìorbhuileach a dhealbh. Bha uair ann nach robh aon ach uaislean ann agus comunn ac’ uile ris an Righ a thog am baile. Ach tre innleachd an nàmhaid dh’fhàg na h-uaislean am baile agus thàinig na ciuird gu bhi ’gabhail comhnuidh ’nan àite. Ann an tiota shiolaich na treubhan so gus nach d’fhàg iad tigh no sràid gun lionadh. Cha ruig mi leas innseadh dhuibh ’nuair a chunnaic mise am baile an toiseach gur e na h-eucoraich so ’bha ’gabhail comhnuidh ann. Dh’fheuch mise mi fein ri beagan de’n chuid bu duibhe dhiubh chur a mach agus feadhainn de’n aon seòrsa ach ni b’fhearr coslas a shuidheachadh ’nan àite. Ach mu’n àm so thàinig an Righ fein a choimhead a’bhaile. Bha E ro dhiombach a bhi ’faicinn a bhaile fein ann an [TD 2] staid cho iosail. Dh’òrduich E gu’m biodh a shràidean agus a thighean air an glanadh, gu’n tigeadh na h-uaislean air an ais a rithisd, gu’n rachadh na ciuird a chur o bhi riaghladh, pàirt dhiubh a chrochadh, agus càch a mharbhadh no a chur a mach, mar a bhiodh na h-uaislean a’ fàs lionmhor agus làidir. Cha-n’eil tìom agam a dhol a dh’ innseadh mar a thàinig an Righ air ceann nan uaislean a stigh do’n bhaile, mar a dh’ fhosgail E na geatachan agus a’ chaochladh bhaitealan a bha eadar E agus na naimhdean a stigh, agus an rànaich a bha air màthair air ceannardan agus air cloinn nan ceard ’nuair a chaidh an cur a mach as an tighean agus a chaidh na h-uaislean le’n ceannardan fo armachd a stigh ’nan àite. Shaoileadh sibh an uair sin gu’n robh nàdur a’ chogaidh anns a’ chloinn fein. Ghabh na h-uaislean le an cloinn agus an ceannardan comhnuidh ’nan tighean air an sràidean fein a reir mar a shuidhicheadh iad le òrdugh an Righ. Bha sràidean a’ bhaile uile ceangailte ri cheile o dhol a stigh a’gheata. Bha cuid dhiubh anabarrach mòr, mar a bha an t-sràid a bha ri taobh a’gheata agus aon eile a bha goirid o chùl-thaobh a’ bhaile. A’ chuid a bha làthair de na ciuird dh’ fhalbh iad fein agus am màthair gu sràidean cumhann dorch fuar air nach robh a’ghrian ag eirigh. Bha iad an toiseach ’fulang gu mor leis an acras agus car tamuill bha moran leis nach leigeadh am feagal an aghaidh fheuchainn air aon de shràidean a’ bhaile, gu h-àraidh a’ chuid a bha ro dhubh ’san eudan. ’Sann an toiseach an t-samhraidh mu àm seinn nan eun a thàinig na h-uaislean a stigh do ’n bhaile. Bha an là fada ’s a’ghrian ach beag an àird an còmhnuidh. Cha-n fhaca mise a leithid sin de shamhradh riabh agus tha feagal orm nach fhaic, o nach bi m’ oige air a h-athnuadhachadh. Bha bainne agus biadh cho pailt ris a’ mhanna; agus cha robh e doilich a thional gu h-àraidh ’nuair a bhiodh beagan neirt ann mo shùilean. Ach air mo shonsa dheth bha nadur anmhuinneachd ann mo [TD 3] shùilean riabh. Tha mi ’smuaineachadh gur e sin a dh’fhàg mi ni’s fuaire na muinntir eile ’sa chridhe; agus bidh am fuachd so a rithisd a’ milleadh mo shùl. Ach mu thimchioll nan uaislean, fagus do chùlthaobh a’ bhaile air aon de na sràidean bu mhò bha ceannard urramach a’gabhail còmhnuidh. Cha robh aon ’sa bhaile ni bu bhreagha na e, coslach ris an Righ ’na aghaidh agus’na nadur. Bha e am measg a’ cheud thriuir de cheannardan an Righ. Bha faireachdainn mhòr aig ri muinntir ann an trioblaid. Bha Innigh-thròcairean a’fuireach ’na thigh. Chunnaic mise e a’gul airson na muinntir a bhiodh a’deanamh croin air. Cha robh e ullamh gu fearg a bhi air ri aon sam bith ach na ciuird. ’Nuair a thigeadh aon diubh ’na fhradharc chitheadh tu atharrachadh coslais air a shuilean, oir bha tlachd aig ann an òrduighean agus àitheantan an Righ. Air an aon sràid ris an duin’uasal so agus fagus d’a thigh bha mòran de uaislean eile a’fuireach am measg an robh Bròn-diadhaidh, Roghainn-mhaith agius Miann-nan-nithe-a’s-fearr. Tha mise am barail gu’n robh làmh mhòr aig na daoinibh so ann an glanadh nan tighean o an truaillidheachd a dh’fhàg na ciuird, agus iad air an còmhnadh le ceannard urramach a bha fuireach air an t-sràid aig dol a stigh a’gheata. Mu choinneimh tigh an duin’ uasail so air an taobh eile dhe’n t-sràid bha Fuath-do’n-olc a’ gabhail còmhnuidh. Tha mi’m barail gur ann mu’n àite so a bha an tigh aig Eagal-Dhe agus làimh ris Faire agus Na-creidibh-gach-uile-spiorad. ’Se thachair dhoibh gu’n robh na tighean aca cho coltach ri cheile agus mur fhaiceadh tu ni b’fhearr na mise nach b’urrainn duit na h-àitean-còmhnuidh ac’ a dhealachadh o cheile. Bha iad fein anabarrach coltach ri cheile mar a tha Gràdh-do’n-mhaith, Fuath-do’n-olc agus Eagal-peacaidh. Agus ri tiom cunnairt chitheadh tu iad a’ siubhal le ’n armachd air sràidean a’ bhaile an àird a dh’ ionnsuidh nan ceannardan air an robh cùram [TD 4] nan geatachan. Agus airson Eagal-Dhe chitheadh tu nàdur fiamh ann an clàr ’eudain. Bhiodh e fein agus Fuath-do’n-olc ag eigheach, “Leis gach uile dhichioll gleidh do chridhe; A chlann bheag, coimhidibh sibh fein o iodholan.” Bha iad air am misneachadh leis an t-Siorram agus na ceannardan aig a’ gheata ag radh, “An ti a bhuadhaicheas bheir mise dha itheadh de chraoibh na beatha tha fàs ann am Pàrras De,” agus “Ar n-amhghar eutrom nach mair ach seallan.” Bha ceannard ro urramach a’fuireach mu mheadhon a’ bhaile. ’Nuair a labhradh e ghabhadh am baile uile misneach. Bha mòran comuinn eadar e agus an duin’ uasal air culthaobh a’ bhaile agus cuirmean ris an abrar aoibhneas aca. Cha-n fhaca mise an duin’ uasal so riabh slàn ’nuair a bhiodh am fear eile gu tinn. ’Se thachair dha nach robh tìom sam bith cho toil leis ri aimsir an t-samhraidh. Chordadh am blàthas ris cho maith. ’Sann mu mheadhon an là ’nuair a b’àirde a’ghrian ’bu toil leis bhi gabhail a dhinneir; agus cha-n fhaca mi duine riabh air an cuireadh am fion a leithid de ghean. Dh’fhàsadh e cho cridheil agus air uairean gu’n eireadh e a dhannsadh; agus ’se a b’fhearr aig sin a chunnaic mise ’san t-saoghal. Bhiodh e ris le ’uile chridhe; agus cha ghabhadh e mu’ choinneimh ach an Righ. Thuigeadh e a h-uile ceòl cho maith; agus ’nuair a dh’atadh a chridhe le comunn shaoileadh tu gu’m biodh neul nan teud air a mheòir. Ach ’sa gheamhradh bu tric leis a bhi gu tinn. Chunnaic mi an sin air uairean e a’ measgadh a dheoch le deòir. ’Sann air ’bu bheag am fuachd. Bhiodh e gearan cho goirid ’s a bhiodh an latha, cho fad ’s a bhiodh an oidhche, gu’m biodh an reothadh a’ dùnadh nan tobraichean agus mu thimchioll nan ceard gu’n robh am baile gu bhi fodhpa a rithisd, gu’n robh iad a’ fàs lionmhor ladarna, agus gur e ’bu choireach ris a so uile gu’n do bhrosnuich iad an Righ. ’Sann an so a bhiodh Eagal-De anabarrach gluasadach. Tha mise am barail nach mòr nach abradh e [TD 5] athair ris an duin’ nasal so, agus’nuair a chluinneadh se e a’ gearan shruthadh na deòir o shùilean. Chunnaic mi an duin’uasal so iomadh uair a’ gearan agus an Righ a’ cur aoin de na ceannardan a bha eadar sin agus an geata d’a ionnsuidh le deoch fhiona dhe na dearcan a dh’fhàs ann an gleann Escoil. Is ’nuair a dh’ ath-bheothaicheadh a neart dh’eireadh ’fhearg ris na ciuird an aird gu tagradh dioghaltais. ’Nuair a chitheadh e muinntir a’ bhaile air an sàrachadh bhruidhneadh e ris an Righ ged nach biodh e ’ga fhaicinn, ag radh, “An cum Thu ort fein airson nan nithe so?” “Rinn Alasdair an ceard iomadh olc orm-sa,” agus rachadh e as an deigh leis na faclaibh sin ’na bheul. “Bu nearachd mar a rinn tu oirnn A dhiolas duit d’a reir.” Ris an duine bheannuichte a bhios beo gu bràth is minic le cridhe ’plosgartaich a thuirt mise eadar gul agus gàireachdaich, ’nuair a chithinn e a’ leagadh nan naimhdean dùn air dhùn, ’nuair a bheireadh e ionnsuidh orra mar so agus a leanadh Eagal-De agus Faire an ruaig. Bhiodh cuid dhiubh nach fhaicinn tuilleadh, agus mar bu trice mas b’urrainn doibh iad fein a ghleidheadh bhiodh beagan feith aig muinntir a’ bhaile. Ach bha mòran threubh ann diubh agus ceannardan aca mu choinneimh ceannardan a’ bhaile. Bha iad a’pòsadh mhnathan am measg nan aignidhean truaillidh a thàinig o’n aon mhàthair riu fein. Cha-n fhaca mi riabh an leithid gu siolachadh. Cha dheanadh am fuachd cron sam bith orra mar a dheanadh e air muinntir a’ bhaile. Bha righ aca os an cionn cho seòlta ri nathair agus cho laidir ri leòghann. B’urrainn da ann an cogadh e fein a chruthatharrachadh gus nach biodh e air’aithneachadh. Chuireadh e a chuid cuilbheartachd air thoiseach agus an deigh sin a neart. Cha robh aon sam bith comasach air seasamh roimh ach Righ nan uaislean agus an armailt dh’am biodh E ’na cheannard. Thug e iomadh ionnsuidh air an Righ so fein agus air [TD 6] an dream a bha maille ris, ged a bha iad air an gairm air an taghadh agus dileas. Aeh bha iad so tuilleadh is ’nan luchd-buaidh trid-san a ghràdhaich iad: oir is Esan Righ nan righ agus Tighearn nan tighearn. Cha d’thug agus cha toir an nàmhaid cis deth, agus ’na Phearsa fein cha toir an nàmhaid ionnsuidh air tuilleadh. Tha e air a radh gu’n do thilgeadh a mach e, ’s gu’n do chlaoidh an Righ mòr esan aig an robh cumhachd a’ bhàis, ’s gu’n do rinn E buaidh chaithream os cionn uachdaranachda agus chumhachda. ’Se so an cogadh a’s mò a bha riabh anns an t-saoghal ’nuair a choinnich Prionnsa cumhachd an adhair agus Righ nan uaislean, no nan naomh, a cheile. An coimeas ris a’ chogadh so cha robh gu sin ach baitealan beaga ann, an t-seann nathair a’ faighinn a chuid fein innleachdan ri òl air ais a rithisd. ’Se bhi ’faicinn so a’s mò a chuireadh a ghean orm na cogadh an duin’ uasail fein ’nuair a rachadh e an deigh nan ceard a bha ’sa bhaile. “Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem agus glaodhaibh rithe gu’n do choimhlionadh a cogadh.” Ach mu thimchioll an duin’ uasail a bhiodh tric ’sa gheamhradh gu tinn thug mi an aire gu’n rachadh e ni b’fhearr agus air aghaidh ann a shlàint’ mar a bhiodh an là a’ fàs ni’b fhaide agus a’ ghrian a’ feuchainn tre na neoil. Bheireadh a’ghrian air aghaidh e ann an neart agus ann an gean, ’s nach mòr nach dichuimhnicheadh e a bhochduinn. Ach ’nuair ’bu chridheil e, chithinn a ghnùis a’caochladh agus coslas na h-ùrnuigh agus a’chogaidh a’fàs air a shùilean. Choimhideadh e rathad a’ Cheannaird air an robh cùram a’ chogaidh, a’ bheidh, an eudaich agus nan litrichean. Chithinn an Ceannard so a’coimhead rathad an tùir agus a’glacadh na sgèith. Bha mi a’ coimhead ciod a bha deanamh a’ghluasaid so ’sa bhaile gu sònruichte ’nuair nach robh na ciuird a’tighinn a mach as an tighean no’gam feuchainn fein air na sràidean; oir ’sann ’san oidhche agus ’sa gheamhradh ’nuair a bhiodh muinntir a’ bhaile [TD 7] lag a bhrùchdadh iad a mach as an tighean air feadh nan sràidean. Ach thug mi an aire dha fear agus balg lan shaighdean aig ris an abrar Droch-reusonachadh. Tha ainm aig an eucorach nach ’eil mi’dol a dh’innseadh, oir ged a bhiodh e ’na chodal duisgidh e air uairean le bhi bruidheann air ’ainm. Tha mise am barail gur ann as an adhar a thilgeadh e nuas a shaighdean. A mhain shaoileadh tu gu’n robh sgiathan aig. Bha e cho luath ris an dealanach agus ’s ann air na ceannardan a bhiodh e tilgeadh a shaighdean. Chunnaic mise iad air an leòn gu goirt, cuid diubh ’sna sùilean agus cuid diubh ’sa bheul, cuid ’s an amhaich agus cuid eile anns na casan. Bha an sgiath ro fheumail gu cur an aghaidh an eucoraich so. Ach cha sheasadh e direach ann an cath, theicheadh e cho luath ’s a thàinig e. Ach ann a bhi dortadh fuil nan ceannard gu am fàgail lag bha e deanamh moran còmhnaidh ris na ciuird leis nach leigeadh am feagal teachd am fradharc ’san latha no ’san t-samhradh. Ach bha cuid ’nam measg a bha leo fein air am meas ’nan uaislean. Bha cuid diubh so a thigeadh a mach san fhein agus a bhiodh airson comunn a dheanamh ri muinntir a’ bhaile agus an clann a thoirt doibh ann am pòsadh. Tha cuimhne agam air aon bhaintighearn bhruidhnich ghabhannaich a thigeadh a mach ’nam measg agus is minic a thairg i a gàirdean dhomh-sa a dhol a spaisdearachd, no do’n teampull. Cha bu diu leatha nithe grannda agus chàineadh i na ciuird; agus ge nàire e ri innseadh is minic a shiubhail mi beagan cheumanna leatha. Labhradh i mu a h-oibribh maithe agus mu a h-eòlas; ach bha nadur de thiormachd mu a teangaidh agus cha robh an cumadh ceart air a sùilean. Chunnaic mi i le tais nadurra ’gam fliuchadh mar gu’m biodh aic’ an t-ungadh a bhiodh a’deanamh cùbhraidh comunn nan uaislean. Bha i làidir luath ’s na casan airson neach sam bith dha’n robh corp a’ bhàis ’na eallach; agus ’nuair a shealladh [TD 8] tu gu geur oirre, a dh’aindeoin air a h-uigheam uile bhiodh faileas nan ceard air clàr a h-eudain. Ach bu doilich a cur air falbh. Theireadh i riut gu’n gabhadh i an t-aon bhiadh riut fein, agus mar a b’fhearr a bhiodh tusa gur ann ’bu mhò a bhiodh a gean-sa, agus gur ann uaithe ’bha moran dhe na bha de mhisnich ’san t-saoghal. Bha fear eile a thigeadh a mach air feadh a’ bhaile ’san t-samhradh ris an abrar Andànadas. Bha e anabarrach coltach ri ’athair. Theireadh an cealgair ri muinntir a’bhaile, o’n a bha an aimsir cho blàth, iad uile laidir, air am biadhadh cho maith agus a leithid de reite agus de chomunn aca ris an Righ nach ruigeadh iad a leas a bhi fo eagal a ni sam bith. Ach ’se àithne an Righ gun a bhi àrd-inntinneach ach a bhi fo eagal, iad a sheachnadh gach uile choslas uilc. Chunnaic mi e sgriobhta air claidheamh an Righ fein, “Na buair thusa an Tighearn do Dhia.” Ach sguiridh mi a reir coslais gu bràth leis na briathra so, “Mur gleidh Iehobhah am baile chaill an luchd-faire an saothair, Bi-sa firinneach gu bàs agus bheir mise dhuit crùn na beatha, Ge b’e a bhuanaicheas gus a’chrìch’se sin a thearnar, Is sibhse iadsan a dh’fhan maille rium-sa ann mo dheuchainnibh is tha mise ag òrduchadh dhuibh rioghachd mar a dh’òrduich M’Athair dhomh-sa, Na tilgibh uaibh ’ur muinghin aig am bheil mòr dhiol-thuarasdal oir fathasd seallan beag agus an Ti a tha ri teachd thig E agus cha dean E moille. Amen. Seadh, thig, a Thighearn Iosa.” Ach ann am beagan fhocal feudaidh mi innseadh dhuibh mar a chaidh am baile a mhilleadh an toiseach. Ghabh an nàmhaid farmad agus fearg mhòr ris an Righ agus o nach b’urrainn da le ’fheirg ruigheachd air bith no air Pearsa an Righ fein ’s ann a smuainich e gu’n tugadh e masladh dha le a bhaile a mhilleadh ’s a luchd-àiteachaidh a mhealladh gu eirigh ann an ceannaire an [TD 9] aghaidh an Righ. Chum an rùn so a thoirt gu crioch dhealbh e a chruth nadurra atharrachadh chum ’s nach biodh e air’aithneachadh agus nach cuireadh e eagal orra, ach gu’n gabhadh e cruth aoin de bheathaichean seòlta an Righ. Oir cha-n fhaca muinntir a’ bhaile riabh e gu eòlas a bhi aca air. Air ’uidheamachadh leis an innleachd so thàinig e gu baintighearn ro urramach a bha anns a’ bhaile air dhi a bhi leatha fein. Labhair e ris a’ bhean uasail mar so, “Seadh, an dubhairt an Righ, cha-n ith sibh de gach uile chraoibh?” Thubhairt a’ bhean ris, “De gach uile chraoibh ach aon feudaidh sinn itheadh. Ach thubhairt an Righ ruinn nan itheadh sinn de’n chraoibh sin gu’m faigheadh sinn bàs.” Labhair athair nam breug mar so, “’Sann a chum bhur cumail o bhi sona a thuirt an Righ sin ruibh; oir tha fios aig nan gabhadh sibh de’n mheas sin gu’n-cailleadh E fein a mhòrachd agus gu’m biodh sibh mar Dhee fiosrach air maith agus olc.” An àite do’n bhean cur ’na aghaidh no teicheadh rinn an droch shearmon so greim air a cluasan. Chaidh an namhaid le dorchadas air a mheasgadh le ascreidimh a steach gu h-inntinn gus an do dhall e na suilean an sin tre an dorchadas so. Chaidh e le naimhdeas do’n Righ agus gràdh do nithibh toirmisgte a steach ’na cridhe gus an do ghlac e a toil is i air a milleadh ’na cridhe. Sheall i ann an sgàthan an droch-reusonachaidh air an ni thoirmisgte agus mhiannaich i e, agus dh’ ith i. Thug i d’a fear agus dh’ith esan. Thàinig righ nan ceard a nis a steach do’n bhaile. Chaidh na h-uaislean uile a mhilleadh no mharbhadh. A cuid diubh thug e na sùilean, a cuid eile an teangaidh agus chaochail e nàdur na cuid eile agus thug e na ciuird gu bhi ’riaghladh agus a’ fuireach ’nan àite. Ach ged a rinn muinntir a’ bhaile gu h-olc bha smuaintean tròcair aig an Righ d’an taobh. Leugh mi gu’n dubhairt E gu’n tigeadh dhe sliochd na mnatha na bhruthadh ceann na nathrach. ’Se ’bu chiall da sin gu’n gabhadh [TD 10] E fein nàdur an duine gu ’dheanamh ’na aon ris fein ’na Phearsa ach eadardhealaichte ’na nàdur. Tha an diomhaireachd so sgriobhta an iomadh àite an leabhraichean an Righ, mar a tha, “gu’n do rinneadh am Focal ’na fheoil,” gu’n d’fhoillsicheadh ’san fheoil an duine a tha “’na Dhluth-chompanach Dhomh-sa,” “Gu’m biodh maighdean torrach ’s gu’m beireadh i mac air am biodh Imanuel mar ainm,” gu’n do chuir E uaith a Mhac a ghineadh o mhnaoi, agus “air Dha bhi air ’fhaghail ann an cruth mar dhuine.” Agus tha mise am barail gur ann mu’thimchioll a tha an earrann sin, “Cruthaichidh Mi ni nuadh air an talamh.” Ghabh an Righ nàdur an duine gu dioladh a thoirt airson seacharan an duine, reite a dheanamh airson aingidheachd agus fireantachd shiorruidh a thoirt a steach. Ghabh an Righ nàdur an duine chum mar a thug an nàmhaid buaidh air an duine gu’n tugadh duine buaidh air Sàtan. Ghabh E nàdur an duine chum mar a thàinig peacadh agus bàs tre dhuine gu’n tigeadh fireantachd agus beatha tre dhuine. Bidh duine mar fhasgadh o’n ghaoith. Ghabh e nàdur an duine gu comhfhulangas a bhi aige ri duine agus chum gach ni a rùnaich an nàmhaid a dheanamh air duine agus air an Righ tre dhuine gu’n tachradh e air duine a dheanamh an ni ceudna air fein. Bidh am masladh so gu bràth aig righ nan ceard a bhi coslach ri dia nam Philisteach air nach seasadh ceann, bois, no cas, agus nach b’urrainn fuireach ’na thigh fein ’nuair a thàinig àirc Righ Israeil a steach. Ach gu bhi aithghearr, ’nuair a thàinig an Righ a steach do’n bhaile cha do ghnàthaich E innleachdan sam bith. Labhair E an toiseach gu feargach ris a’ chuid a bha stigh de sheann dùthchasaich a’ bhaile. Dh’ innis E dhoibh mu’n cionta an truaillidheachd agus an truaighe. Ach ’s ann a dhruid iad an cluasan agus dhùin iad na geatachan. ’Sann mar sin a dh’òrduich am maighstir dhoibh. Sheirm an Righ gu labhar ministreileachd an ditidh agus a’ bhàis ’nan cluasan airson an cionta. Ach gu so a [TD 11] mhùchadh dh’ òrduich an righ dubh fear bodhar an àird gu geata na cluais, Dorchadas agus As-creidimh gu cùram a ghabhail dhe’n inntinn air an comhnadh le Neo-chùram. Sith-fheallsa, agus Dòchas-breige agus, nam b’fheumail e, an duine laidir sin Naimhdeas agus Fuath-do-mhaith. Oir thubhairt e, “’Se so an rathad air an d’thàinig mise fein a steach do’n bhaile, agus tha e gle choltach gu masladh dhomhsa gu bheil a rùn air teachd ceum air cheum as mo dheigh-sa gu mise a chur a mach.” “Ach cha toir E an toil fein d’a sheirbhisich mar a bheir mise; agus cha-n urrainn ’iochdarana a bhi sona ’nuair nach e an aon toil a tha aca fein agus aig an Righ. Bha cuid dhe na h-iochdaranan so a rinn mòran seirbhis da agus a phill am ionnsuidh an deigh a radh ris san eudan gu’m bu diomhain seirbhis a thoirt da agus nach robh buannachd ann a bhi ’coimhead ’òrduigh, gu’m b’e mo chuid-sa ’sheirbhisich bha sona. Cha-n’eil am biadh aige ris an abair iad am manna, air an cuala sinn mòran a’gearan, ’na choimeas ris na leicis agus na h-uinneanan, am biadh laidir a bheathachadh na feòla, a tha mise a’ toirt dhuibh. Bidh ’iochdaranan tric a’ gearan, a’ gul agus ag osnaich agus farmad aca ruibh-se. Tha fios agam gu’m feuch E ri feagal a chur oirbh agus bhur mealladh le bhi ’g innseadh dhuibh mu thruaighe agus mu shonas ’san t-saoghal ri teachd. B’fhearr leam gu’n robh tuilleadh dhe mo chàirdean na Sadusaich ’n ’ur measg.” Agus an deigh dha so a radh dh’òrduich e na h-uile gu an obair fein, cuid a dhannsadh agus a dh’òl, cuid eile a thogail thighean agus cuid eile gu cadal. Ach mu’n àm so dh’fhàs fuaim na trompaid ro labhar. Bha coltas dorch air na speuran agus tàirneanach ann. Bha an Righ air a chuairteachadh le teine; Thainig dealanaich a steach air feadh a’ bhaile. Chaidh am fear bodhar ’bha aig geata na cluais a mharbhadh. Dhealruich E steach tre shùilean Dhorchadais gus am b’eigin da tuiteam gu taobh. Thilg [TD 12] an Righ saighdean no peilearan teth do’n bhaile. Chaidh an dara sùil a Ascreidimh. Fhuair Neochùram bàs, agus chaidh Sith-fheallsa agus Dòchas-breige a leòn gu goirt. Ach cha deachaidh beantuinn ri Naimhdeas agus Fuath-do-mhaith. ’Sann a dh’fhàs iad ni bu ghairge na bha iad riabh maille ri mòran eile. Mu’n àm so dhùisg an Siorram as a chadal. Chlisg an seann duine ’nuair a chual’e àitheantan agus bagraidhean a’ cheud Righ, agus, liodach mar a bha e is gun mòran an làthair dhe a theangaidh, thoisich e air casaid air muinntir a’ bhaile agus nam b’fhior nach b’e so a’cheud uair a rinn e so. Tha so fior gu’n cronuicheadh e cuid de nithibh. Cha robh mòran umhaill aig cuid dhe na ciuird do’n duine bhochd agus cha robh còmhnadh aige gus an d’thàinig an Righ dligheach. ’Se thachair dha roimh sin o chaidh am baile a mhilleadh, gu’n robh e ’na leth-amadan le nàdur breislich ’na cheann. Air uairean mholadh e nithe toirmisgte ach ’nuair a thàinig an Righ ’se a’cheud dhuine a thug an cogadh a steach do’n bhaile, agus b’eagalach mar a sheinneadh e bagraidhean an Righ air feadh sràidean a’ bhaile. Bhiodh e fein agus na ciuird a bha air an t-sràid chùil an sas anns a cheile, ach aon diubh a mharbhadh cha b’urrainn da, agus bha cuid dhiubh nach b’aithne dha nan glanadh iad an casan agus an eudan. Bha mise fuireach anns a’ bhaile an uair so agus b’e an sealladh a b’uamhasaich a chunnaic mi riabh. Bha mi ro dhiombach gu’n do rugadh mi. Bha farmad agam ri neoni, an ni nach’eil ann. Dheanainn malairt crannchuir ri aon sam bith de na beathaichean a gheibh bàs agus aig nach’eil cùnntas ri thoirt; oir fathasd cha b’aithne dhomh inntinn no rùn an Righ. Bha muinntir a’ bhaile air am pianadh agus ro fheargach ris. Ach dh’iarr iad cumhachan sith dhe’n deanamh fein agus ’se so’ bu chiall doibh—Gu’n sguireadh iad dhe na h-uile ni toirmisgte agus gu’n coimhideadh [TD 13] iad ’àitheantan ann an cridhe an cainnt agus an gniomharan, gu’n deanadh iad aithreachas agus ath-leasachadh nan cumadh E ’fhearg air falbh agus gu’n gabhadh E na nithe so mar fhireantachd airson am peacaidh. Ris a so chuir an righ dubh ’aonta; ach b’fhusa so a ghealltuinn na a dheanamh. “Co a bheir glan a neoghlan? Cha tabhair a h-aon,” Mo thruaighe. So an obair a’s cruaidhe ris an deachaidh duine riabh, a bhi le eagal a’ bhàis a’ feuchainn ri ùmhlachd a thoirt a cridhe truaillidh gun ghaol. Ach air dhoibh a bhi air an ro-phianadh le ceannardan an Righ mar a bha Mothachadh, Breitheanas agus Eagal-truaighe rinn iad dichioll gu cruaidh agus b’iongantach an t-atharrachadh a bha air an cainnt agus an gniomharan. Cha mhor gu’n abradh iad focal ach “’Seadh” agus “Ni h-eadh”; agus nan tarladh dhoibh ann an cabhaig gaire a dheanamh ri peacadh dheanadh iad oibre maithe air am measgadh le mòran bròin a thairgseadh do’n Righ mar eiric, an dùil gu’n tugadh E sin fainear ’s nach deanadh E peanas orra airson an droch oibre. Cha robh an leithid ri ’fhaicinn anns a’ bhaile tre eagal. Cha ghluaiseadh iad cas no làmh gun òrdugh an t-Siorraim a’ leughadh a leabhar an lagha. Agus gu misneach a thoirt dhoibh thairg daoine ionnsuichte de shiol nam Phairiseach an seirbhis dhoibh gu bhi leughadh an lagha agus gu am moladh airson a bhi ’ga choimhead gus nach mor nach abradh iad gu’n robh an Righ ’nam fiachan ni’s mò na bha iadsan an comain an Righ. Bha na daoine uasal so a’ gabhail os làimh a bhi ’leigheas dhaoine tinne mar bha Dòchas-breige agus Sith-fheallsa o na lotan a fhuair iad le bhi ’g eigheach “Sith.” Is cunnartach an t-sith so ge mòr aig am bheil i. Ach ’na mhòr-thròcair dh’òrduich an Righ do na ceannardan ni’s fhaisge air a’ bhaile tilgeadh a stigh air a’chridhe airson briseadh-lagha anns na smuaintean. “Am bi duine glan aig Dia? No cionnus a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi? Am peacadh dhealbhadh [TD 14] mi.” ’Sann an so a bha an obair chruaidh a bhi tre eagal a’bhàis a’mùchadh dhroch smuaintean an cridhe anns nach robh ni eile a’gabhail còmhnuidh. Uisge milis a thoirt a tobar searbh cha b’urrainn doibh so a dheanamh. Cha dheanadh deòir no uisge sneachdaidh an cridhe a ghlanadh. Thubhairt iad gu’n deachaidh an tumadh a rithisd ’s an t-slochd. Thoisich na lotan aig Dòchas-faoin agus Sith-fheallsa ri sruthadh a rithisd. Rinn piantan a’ bhàis dùthchasaich a’bhaile a leòn gu ro ghoirt. Agus airson an t-Siorraim b’uamhasach an sealladh e. Shaoileadh sibh gu’n robh uamhasan an Righ air clàr ’eudain. Bha e ’g radh gu’n do thoill iad gach ni a thàinig orra, agus tre anmhuinneachd a shùl agus e ’bhi gun chòmhnadh aig nach robh e fein cho dileas ’s a bu chòir dha. Gun fhios aca ciod a dheanadh iad chomhairlich Gliocas-faoin le còmhnadh Eagal-a’-bhàis iad gu aon athchuinge fathasd iarraidh air an Righ. ’Se sin gu’m measgadh E na bha dh’easbhuidh air an cuid-sa dhichiollan le a thròcair, gu’m maitheadh E, a chum ’s nach rachadh ’na fheirg an sgrios. Bha mòran tuilleadh eagail orra roimh sin na roimh ’n pheacadh a bha ’ga thoilltinn; oir chuala mise iad iomadh uair a’gearan gu’n do cheangail an Righ ’na bhagradh am peacadh agus am bàs ri cheile. Ach dhiult an Righ an iarrtus, a’ toirt òrduigh do na ceannardan tilgeadh a stigh do’n bhaile agus maille riu ceannard ro uamhasach eile, Ainearbsa-a-tearnadh-tre’n-lagh. Oir ged choimhideadh iad an lagh a nis, ni nach b’urrainn doibh, bha cionta seann easumhlachd ag eigheach as an deigh. Thàinig Peacadh a stigh do’n t-saoghal tre aon duine agus am bàs tre’n pheacadh; agus thàinig am bàs air na h-uile do bhrigh gu’n do pheacaich na h-uile. Tre pheacadh aoin duine rinneadh mòran ’nam peacaich. Chaidh sinn uile mar chaoraich air seacharan. B’e fear-eusaontais a b’ainm dhuinn uile, do gach aon againn, o’n bhroinn. Cha bu luaithe a thoisich Ain- [TD 15] earbsa ri tilgeadh do’n bhaile na chaidh Dòchas-breige agus Sith-fheallsa a mharbhadh maille ri Fein-mhisnich agus mòran eile mar a bha na daoine uaisle de shiol nam Phairiseach. Agus airson nan daoine gealtach sin, na Sadusaich, ma bha iad beo cha robh facal aca ri ràdh. Is minic a chunnaic mi ceann goirt a’cur a ruaig orra. Ach bha iomadh a shaoil leam-sa a chaidh an so a mharbhadh a thachair orm beo an deigh sin. Ach mu thimchioll muinntir a’ bhaile bha an staid ro iosal. Theirig gliocas dhoibh. Bha iad air am bioradh ’nan cridhe agus a’ farraid ciod a dheanadh iad. Chuala mi iad ’gan diteadh fein, a’ bualadh air an uchd a’ sireadh tròcair. Ach thàinig an là ris an abrar là cumhachd an Righ sam bi a phobull toileach. Mhol E na ceannardan ag innseadh dhoibh gu’n robh an cuid-sa dhe’n chogadh criochnaichte. Ghairm E ceannardan eile mar tha Eolas, Creidimh, Dòchas agus Gràdh ’nan àite. Ghabh E trompaid eile agus sheirm E aig geata na cluais nach ann a sgrios ceud luchd-àiteachaidh a’ bhaile a thàinig E ach gu an tearnadh, gu’m b’e a chliu-sa, an Tighearn Dia, iochdmhor agus gràsmhor, mall ann am feirg agus pailt ann an trocair, a’ maitheadh aingidheachd eusaontais agus peacaidh, gu’n robh iomadh còir aig air a’ bhaile. ’Sa cheud àite bha aige còir chruthachaidh; ’san dara àite thug ’Athair dha e, ’san treas àite cheannuich E le luach e; agus a nis thàinig E a ghabhail seilbh ann. Bha E ’na sheasamh aig an dorus agus a’ bualadh; nam fosgladh neach sam bith dha thigeadh E a steach is ghabhabh E a shuipear maille riu. “Aomaibh bhur cluas agus thigibh am ionnsuidh. Eisdibh agus mairidh bhur n-anam beo. Thigibh am ionnsuidh sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallach agus bheir mise suaimhneas dhuibh. An ti a thig am ionnsuidh-sa cha tilg mi air chor sam bith a mach e.” Le briathran milse is solasach mar so, tinn mar a bha iad, ghlac E an aire. Thàinig E fhein [TD 16] agus na ceannardan a steach air geata na cluais. ’Sann o eisdeachd focal Dhe a thig creidimh. Le eòlas air a mheasgadh le creidimh ghabh E sealbh air an inntinn. Theich Dorchadas mar an oidhche roimh an là. Theich Ascreidimh air call sealladh a dha shùl. B’fhearr leam iomadh là uaith sin gu’n do chaill e a theangaidh. Chaidh an Righ air aghaidh le Gràdh a dh’ionnsuidh a’ chridhe a ghabhail seilbh air an toil. Dhe na daoine làidìr a bha ’fuireach an sin ghearr E na casan; agus chroch E na cuirp aca gu bhi ’nam ball-sampuill, agus airson aobhair eile, gu’n cluinnteadh an gearan, “Och is duine truagh mi, co a shaoras mi o chorp a’ bhàis so?” Theich an Righ dubh a mach as a’ bhaile no, mar a tha sibh a’ leughadh, chaidh a cheangal agus ’armachd a thoirt uaith. Agus mu thimchioll nan ceard car tamuill cha robh aon diubh ri ’fhaicinn, gu h-àraidh a’ chuid a bha dubh ’nan casan ’nan lamhan agus ’nan eudan. Dh’eirich a’ ghrian air a’ bhaile. Cha robh dealanach ri ’fhaicinn no tàirneanach ri ’chluinntinn. Bha gràs tròcair agus sith a’ dealradh an gnùis an Righ a dheothail an cridhe agus an sùilean le creidimh. Rinn E an lomnochd a chòmhdachadh le eudach grinn agus dealrach nach gabh salachadh’s nach fas sean. Le gràdh rinn E breagh an nàdur agus an iomhaigh. Agus le dòchas nan nithe a bhios, nach’eil ’san àm ri’m faicinn, lion E an cridhe le misnich foighidin agus aoibhneas. Bha a h-uile ni nuadh. “Chan’eil eifeachd ann an ni sam bith ach cruthachadh nuadh.” “Mur beirear duine a rithisd cha teid e steach do rioghachd Dhe.” Bu mhaith a bhi ’fuireach ’sa bhaile ’san uair so. Ach sguiridh mise de sgriobhadh; oir cha sgriobhaiche no mac sgriobhaiche mi. Printed by Turnbull & Spears, Edinburgh