[TD 1] DAN AIR AMERICA. MR. W. FRASER, from the State of Illinois, who, after a residence of more than forty years in the Great Republic, is now revisiting his native land, recited, at the Gaelic Society dinner, in the Caledonian Hotel, Inverness, on 12th Jan., 1886, the following poem of his own composition, which vividly describes his first impressions of America, and the home-sickness that made him sigh there for Highland heather, glens, streams, and the social life to which he was accustomed. Better acquaintance with the land of his adoption softened Mr. Fraser’s regrets in due time, but never killed the Highlander in his nature. First Part. ’NUAIR bha na h-uaislean air cinntinn cruaidh oirnn, Ann san Taobh Tuath ’s an robh sinn an Alb’, Dh’ eirich fuaim oirnn gu dhol thar chuaintibh, ’S do dh-America ghluais sinn le fonn air falbh; Is ann sna Staitean air tir do chaidh sinn, ’N ceann iomadh la dhuinn bhi muigh air fairg’, ’S cha mhor toil-inntinn a gheibh ’san tir so, Oir ’s iomadh ni a tha ga deanamh searbh. Air dol dheth bord dhuinn aig crioch ar seolaidh, ’Sa’ bhaile mhor ud do ’n ainm New York, Bha sluagh gu leor as gach taobh ’n Roinn Eorp ann Dheth na h-uile seorsa ’s air iomadh dreach. Bu chnapan “nigger” gach fear a tri dhiubh, Mar ri na miltean do Gheangaich ghlas, ’S ma their mi ’n fhirinn gur mi bha sgith dheth, Ma’n d’ fhuair mi m’ imrich a thogail as. [TD 2] Gach ceum a shiubhlas sinn feadh na duth’chsa, Gur coille dhuth-ghorm i air fad, Tha ruith gu siorruidh gun cheann no crioch oirr’ Is beachainn fhiadhaich tha innt’ gu pailt’; Cha ’n fhaic sinn fraoch ann a’ fas air aonach, No sruth a caochan ruith soilleir glan, Ach buig is geoban, ’s na rathadan mora, Na’n sluic mhi-chomhnard le stumpan grod. ’S ge do shaoil sinn gu ’m bu duthaich shaor i, Tha sinn fo dhaors’ innt’ nach robh sinn riamh, Le obair chruaidh ann gun suim do dh-uaraibh, ’S cha ghabhar truas dhinn ged bhiodh sinn sgith; Bithidh glaodh oirnn eirigh ma ’n gann as leir dhuinn, ’S air ball gum feum sinn a dhol ri gniomh, ’S bho mhoch gu anmoch sinn ’sas mar ainmhidh, ’S le cabhaig anbarraich ag ith ar bidh. Cha bhi na trathan ’s an àm am b’abhaist dhuinn, Ach air aman daicheal nach do chleachd sinn riamh, Dar theid gairm oirnn a dhol da ’n ionnsaidh, Theid clag no dudach a’ sud a thoirm; Theid suidhe ri biadh ann gun bheannachd iarraidh, ’S gach fear a’ lionadh gu grad a bhroinn, ’S cho ghrad aig eirigh am feadh tha bheul lan, ’S cha ghabh fear eis ri fear tha as a dheigh. Gur h-e an lon ’s tric bhitheas air bord aca, Na staoigean mor dheth na mhuic-fheoil ghlais, Is ti searbh air nach bi mor tharbhachd, Gun an siucar dearg ’chuireadh dhith ’n droch bhlas; Is stuth na Toiseachd air an robh sinn eolach, Cha ’n fhaodar ol ann mar bu chleachd, Tha e air a dhiteadh air feadh na tir-sa, ’S gum beil a bhinn air a toirt a mach. Gur bochd ar caramh an so air airidh, Is ann na’n raith’dean cha gabh sinn tlachd, B’i tir a phianaidh do dhuin’ is ainbhidh, ’S cha ’n ’eil na h-aimsirean mar bu chleachd; [TD 3] Tha teas is fuachd ann a tha ro chruaidh oirnn, Bhitheas cur droch shnuadh oirnn ’s toirt dhinn ar dreach, ’S cha mhor creutair a chi mi fein ann, Gach fear is te dhiubh ach biorach glas. Ri am an t-samhraidh sinn sgith is fann ann, Gu ’m bi ar teangan a mach le teas, A bhitheas ga’r sarachadh ’s toirt ar cail uainn, Is sinn mar sgail ann air leaghadh as; Bithidh ’m fallas braonach a’ ruith na chaochanan, Sios bh’ar n-aodann na shruthan cas, ’S an t-uisg’ a ghnath gu ’m feum bhi lamh rinn, Sinn tioram, paiteach ag eigheachd deoch. ’S tha geamhradh gruamach a tha cranndaidh fuar ann, Le geur ghaoth tuath agus frasan sneachd, Ga chur gu domhal is cathadh mor leis, ’S gum bith na roidean gu h-uile tachd’. Mur bi botan oirnn is pailteas comhdaich Cha bhi doigh air a dhol a mach, ’S tha ghaoth cho reodhte ann ’s gun gearr i ’n t-sron dhinn ’S gum bi gach lon ann cho cruaidh ri clach. ’S e sud am fuachda a dh’fhagas gruamach Na h-uile truaghan a bhios an airc, Gur leoir a cheard dha bhi cumail blaiths air Is connadh gearta gum feum bhi pailt’, ’S bithidh ’m fuachd air uairean a’ faighinn buaidh oirnn Ged h-ann na ’r suain a bhitheadh sinn ’n ar leab’, Is mur bi teine mor ann an impis rosdaidh, Cha mhor nach reoth sinn ’nar suidhe steach. Ach a mhuinntir straiceil a tha ’san ait so, ’S e an t-am is fhearr leo ’nuair thig an sneachd; Bithidh iad nan caoiribh a’ ruith air slaoid ann, Is cluig sa ghliongarachd ri ’n cuid each. Aig dol mu’n cuairt’ anns an am a’s fuair e, ’S an sneachd mu’n cluasan ga chur gu pailt’, A’ ruith ’sa leumnachd ’s gach taobh an leir dhuinn, ’S an cuip ag eigneachadh speid nan each. [TD 4] Air latha na Sabaid, do dh-aite a’ chrabhaibh, Cha bhi ach ainmig aon neach air chois, Ach arm an carbadaibh dol do’n t-searmoin, ’S a’ ruith ’sa stararaich le’n iomadh each, Tha iomadh seors ann do bharail neonach Nach ’eil a’ cordadh air aona bheachd, Is cuid mi-churamach mar na bruidean, Is cha’n ’eil umhlachd do Shabaid ac’. Tha cuid do dh-Albanaich feadh na duthaich so Gu tur chuir cul ris gach cleachdadh coir A lean ri’n sinnsearean air feadh nan linntean, Is cha’n ’eil suim ac’ ga’n cumail beo. Ach mar na Geintilich tha ma’n cuairt orr’ A’ fas gu fuar-chritheach le’n cuid stoir, ’S cha chan iad Gaelic’ ach deanamh tair oirr’ Ged ’s ann innt cha’n arach ’n uair bha iad og. ’S gur tric mi cuimhneachdainn air na tioman Bhitheadh agam fhein ann an Albainn thall, ’S bithidh mulad diblidh a’ tighinn air m’inntinn ’S gur iomadh sgriob bhios i toirt a null, A’ ruith gu eutrom air feadh an aonaich, Mar bha mi aon uair an tir nam beann A cluinntinn toirmean nan allt ’s nan caochan Bhiodh mireach, sgaoilteach ruith feadh nan gleann. Aig Nollaig aoibhneach is La Bliadhn’ Uir ann, Gur sinn bhiodh sunndach, le cluich is ceol, Bhiodh surd is danns’ ann air feisd is bainnsibh, Gun dad a sgrainge no dh’olc na ’r coir; Is gum bu ghuanach a bhiodh na gruagaichean Bhiodh m’an cuairt dhuinn gu critheil coir, Gu cairdeal, eibhneach, gun eagal cleir oirnn Do thaobh bheusan bha saor bho ghòid. Air bhi air chuairt dhuinn car bheagan bhliadhnaibh ’N taobh airde n’ iar do Staid New York, ’S o’n bha m’ fearann daor ann ’s gun mor mhaoin againn Chuir sinn ar n-aodainn ri dhol na b’fhaid’, [TD 5] Agus sheol sinn thar lochaibh mora Do dh-Illinois nam faichean glas ’San fhearann chomhnard gun choilltean domhal Is ghabh sinn comhnuidh air abhainn Fox. Gum b’i so duthaich nam prairie lubach, Na ’n sealladh ur dhuinn ’s na h-uile cearn, Is feur gu duint’ orr’ gu ruig ar gluinean, Gu dosrach ùrar ’s gu gorm a’ fas; Gun chrodh no caoraich ri iomain caoin ann, Ach crith sa ghaoith ann mar thonnaibh fairg, ’Sa’ fas ’s a’ crionadh o chian nan ciantan Is aig gach fiadh-bheathach ’na aite taimh. Second Part. Tha iomadh seorsa do dh-ainbhidh beo ann, Gun dragh no eolas air rathaidhean dhaoin, Tha feidh nan crocan a’ ruith nan drobhan ann Is cearcan boidheach mar bhiodh ’san fhraoch. Tha madraidh-alld’ agus sionnaich sheolt ann, Agus gobharan beaga maol, ’S tha ’n tunnag spogach a’ snamh gach lon ann Is pailteas drobhachan do ghlas gheoidh. Tha moran eun ann a bhios ri ceol ann, Cho binn ri smeorach am barr nan craobh. Tha na h-aibhnichean is iasg gu leor annt’ Gun aig neach coir orr’, ach iad gu saor. [TD 6] ’S tha iomadh doigh air bhi deanamh beo-shlaint’, ’S cha’n ’eil an lon ann no’m fearann daor, ’S mur bhith aon do-bheart a bhios g’ar leon ann Bhitheadh sinn cho doigheal ’sa shireadh aon. Ach tha aon droch bhuaidh ann d’am beil sinn buailteach Bhios gar cur tuathal ’s gar fagail clith— ’S e sin droch eucail, ris an canar ague, Is cha mhor creutair nach dean i chlaoidh. Gu ’m bi na ceudan air chrith is dreun orr’ Mar dhuill air gheig bhiodh air chrith le gaoith, ’S cha’n ann gun reusan a bheir mi beum dhi, Oir ’s iomadh eiginn ’s na chuir i mi. ’Nuar gheibh suairceag ud lamh an uachdar, ’S i chuireas gluasad nam’ fhuil ’s na m’ fheoil, Mi greannach, gruamach, is fior droch shnuadh orm, ’S bithidh mi cho fuar ann ri stocan reotht’. ’S m’an gann gun gluais mi ’s gum falbh am fuachd sin Thig teas cho cruaidh orm ’s ged bhithinn roisdte, Mi ’n gnath ri luasgan gun fhois no suain domh, Och, gur mi-shuaimhneach a bhios mo choir. B’i sin a’ bhan-shuirich a dh’fhanas teann rium, ’S a chuireas greann orm i thighin am choir, Is ged bhiodh aing orm cha toir i taing dhomh Is cha ghabh connsachdainn oirr’ le deoin. Nuair a smuanaich mi gun d’thug i fuath dhomh ’S gun d’rinn mi fuadach uam ri’m bheo, Thig i gun naire a ris chur failt’ orm, ’S a dh-fhantainn lamh rium ge b’oil lem’ fheoil. Is i a’ bhana-Gheangach a tha gun nair i, ’S an orm tha’n tamailt mi faicinn riamh; ’N uair dh’eireas teum oirr’ cha bhi mi reidh rithe; Ach gheibh mi greudhadh uaipe nach bi cli. Mo cheann is m’eanchainn bithidh troimh a cheile, Is gach cnaimh nam chreubhag bithidh bruite, sgith, Gum b’fhearr dhomh fein bhi fo phlaigh na h-Eiphid ’Nuair throideas breunag na bhi ’san tir [TD 7] Ach, taing dha’n Ti-mhath, gun d’fhuar mi cuibht’s i, Is iomadh cuingealachd bha na deigh, ’S le tuillidh bruidhne cha bhi ga maoitheadh, Ach bithidh mi chaoith guidhe dhi siubhal reidh. ’S a nis cho-dhunain le comhairle dhurachdaich Do mo luchd-duthcha ’san tir gu leir— Gun iad bhi diombach no’m misneachd cul riutha Ge do bhiodh cuisean dol uairean fiar. W. F.