[DA 1] LITIR IMPIDH AGUS RABHAIDH A CHUM LUCHD-EISDEACHD AN T-SOISGEIL AN CANAIN AN SINNSEAR ANN AN COIMHTHIONAL NAN GAIDHEAL A’M MELBOURNE. O’N BHUIDHINN AIR AM BHEIL CURAM, GHNOTHUICHEAN AIMSIREIL A’ CHOIMHTHIONAIL, CLODH-BHUAILTE LE EOGHANN MAC-COLLA, CLODH-BHUALADAIR, MELBOURNE. [DA 2] [Bàn] [TD 1] LITIR IMPIDH. A CHAIRDEAN IONMHUINN, Thagh sibh féin sinne a tha a nis gu bhi a ’ labhairt ribh air an dòigh so, a chum na seirbhis a tha sinn air gabhail os làimh. Tha sinn a’ toirt buidheachais dhuibh air son na muinghinn a tha agaibh annainn gu ’n dean sinn ar dìchioll a chum gnothuichean a’ choimhthionail a riaghladh, ’s a chur air an aghaidh. Feumaidh sibh féin bhi làn-fhiosrach gu ’m bheil ar dleasdanasan cudthromach; agus is ann ribh féin, a nis, a dh’fheumas sinn amharc, gu ’n cuidich sibh leinn, agus gu neartaichear ar làmhan leibh féin. Tha na gnothuichean mu ’r coinneamh ro-chudthromach; agus tha sinn an dòchas gur h-i an aon chrìoch mhòr a tha againn le chéile ’n ar n-amharc. Is e an gnothuch sònruichte a tha ’s an àm gu h-àraidh romhainn Tigh-aoraidh iomchuidh, agus Tigh-còmhnuidh do fhear-teagaisg bhi le chéile air an cur suas leinn. A dh’easbhuidh iad so bhi air an ulluchadh, cha chomasach, mar is fiosrach dhuibh féin, gu’n stéidhichear idir o ’n leth muigh ’n ar measg ’s an tìr so, an t-aobhar a tha sinn ag aideachadh;—gu ’m biodh Eaglais ar n-aithrichean, an co-cheangal ri ar cànain dhìleis agus dhùthchasaich féin, air a cumail suas, no gu ’n soirbhicheadh i n ar measg, ’s an Tìr chéin so. Feumaidh sibhse agus sinne le chéile, amharc air a’ ghnothuch so, le fìor chùram, agus le ro-aire. Tha an gnothuch ag agairt uainn gu’n gabhtadh os làimh e le rùn suidhichte, daingean, seasmhach, agus dìleas. [TD 2] Tha bhur leas agus bhur buannachd spioradail féin ag agairt so; agus cha’n e sin a mhàin, ach leas ar luchd-dùthcha ’g a agairt, air feadh farsuingeachd na tìre so; agus is tìr iongantach i; far am bheil a nis ar crannchur againn. Agus gu bhi a’ labhairt mar dhaoinibh, is ann a réir mar chuirear, a nis, ar làmh ris an t-seirbhis so, a shoirbhicheas leis an aobhar, no a théid as dha ’s an tìr. Tha spiorad fial, spiorad na dìsleachd, agus na h-aonachd feumail dhuinn; agus iarramaid e, a chum ’s gu ’m bi ar saothar air a daingneachadh, fo bheannachd an Ti sin a tha os ar ceann-ne, agus os ceann nan uile. Tha freasdal an Tighearn air toirt dhuinn ar crannchur agus ar còmhnuidh ann an àrd bhaile na tìre so, no mu a thimchioll; agus tha sinn, mar so, air faotainn ar n-ionad seasaimh ri ceud aghaidh na seir: bhis sin a tha gu dol air aghaidh, ma ’s e agus gu’n iarradh sinn idir soisgeul glòrmhor Chriosd, bhi a’ faotainn cothroim agus comas ruith bhi aige air feadh na tìre so, a measg ar luchd-dùthcha féin. Agus ma ghléidhear an inbhe leinn, ’s an do shuidhich freasdal Dhé sinn mar so, is ann le saothar, le fialachd agus le dìlseachd,—le h-oidhirpibh dìleas o gach aon neach ’n ar measg a ghleidhear an inbhe so leinn. Agus cha mhò tha sinn a’ smuaineachadh, ma gheibhear dìleas sinn, nach feud sinn an gnothuch a thoirt gu crìch fo bheannachd an Tíghearn air ar n-oidhirpibh. Is ann uaithe féin a tha a’ ghairm againn, a chum na seirbhis. Tha sinn a’ meas gu ’n agair an gnothuch uainn, suim airgid a tha mòr gun teagamh,—Da mhile dheug punnd Sasunnach. Tha sinn a’ meas gu ’m bheil, cheana, mu shèa ceud neach a’ feithcamh na h-éisdeachd ’n ar coimhthional, an Gàelig’s am Beurla. Chosdadh, mar so, an obair a tha m’ ar coinneamh, dìreach Fichead punnd Sasunnach, do gach neach ’s a’ choimhthional, ’n an rachadh a roinn air gach neach. Ach tha sibh féin fiosrach, aig an àm cheudna, gu’m bheil mòran d’ ar luchd dùthcha nach ’eil ach air ùr-thighinn do ’n tìr; agus nach comasach gu ’m bheil fathast mòran do mhaoin an t-saoghail so aca air a chur cruinn; agus gu ’m bheil iomadh dhiubh aig nach ’eil fathast ach ro bheagan do chomhfhurtachd choitchinn ’n an crannchur. Cha ’n urrainn dhoibh sin moran a sheachnadh, no a bhuileachadh. Ach, aig an àm cheudna, ’s i ar breth, nach bu chòir do aon neach ’s am bith an dleasdanas cudthromach so a sheachnadh, no a lethsgeul féin a ghabhail o a làmh bhi aige ’s an t-seirbhis: agus cuimhnicheadh sibhse, aig nach ’eil fathast ach am beagan, gur mòr a ni am beagan féin o gach neach, ’n uair bheirear gu saor agus gu dìleas e le gach aon neach, ann a leithid so do ghnothuch. Agus cuimhnichibh, a chàirdean, gur h-ann a réir na tha an T’ghearn ’n a fhreasdal a’ cur ’n ur làmhaibh, a dh’ agrar leis-san uaibh. An ni a dh’amhairceadh ’n a thabhartas fial aig a’ bhaile, cha bhi e ’s an tìr so ach ’n a ni ro bheag do rìreadh. Amhaircibh air tuarasdal bhur saothrach’s an tìr so, an coimeas ris na gheibheadh sibh an Albainn air son na saothrach ceudna; agus a réir sin, biodh bhur fialachd, gach neach. Cha bhi tomhas eile ’s am bith ’n a fhior dhìsleachd do ’n aobhar. [TD 3] Ach, tha iomadh eile do chloinn nan Gàidheal air feadh na tìre so, do ’n do nochd an Tighearn ’n a fhreasdal mòr shoirbheachadh ’n an cuibhrinn aimsireil: agus, a Chàirdean Ionmhuinn,—a chlann nan Gàidheal, a tha ’s a chor sin, tha ’n dòchas so againn annaibh-se, nach maoidhear leibh, agus nach seachainn sibhse eadhon moran a thoirt seachad, ’s a bhuileachadh air an aobhar a tha a nis a measg làmh againn. Is ann, gun teagamh, uatha-san a ’s mò air an do bhuilich an Tighearn ’n a fhreasdal fàbharach féin a dh’ fheumas a’ chuid mhòr tighinn, leis an seasar an t-aobhaT ’s an àm. A réir meud bhur cuibhrinn biodh meudachd agus fialachd bhur tabhartas. Na meassaibh mar chuing no mar uallaich, ni a bhuileachadh air an aobhar so, nach bi idir ’n a lughdachadh air bhur cuibhrinn, no ’n a chall ’s am bith dhuibh. Is sochair, gu ’n gairmteadh sibh leis an Tighearn gu fialachd a nochdadh d’ a aobhar féin. Ceadaichibh dhuinn a ràdh,—ann an dìlseachd, agus ann an gràdh bràthaireil,—dhuibhse buinidh e, mar dhleasdanas agus mar shochair, eisimplir a thoirt do chàch; agus cuideachadh fial a dheanamh ri ar n-aobhar. Is ann, eadhon a nis, tha an t-aobhar féin ’g a agairt. Nach ceadaich sibh dhuinn an dòchas so bhi againn, gu ’n lean sibh na h-eisimplirean fiala, uasal sin, a thug mòran d’ ar luchd-dùthcha ann an tìr ar n-aithrichean, ann an àm teanntachd ar n-Eaglais; nach do chaomhain idir an cuid stòrais, ’n uair dh’ agair aobhar an t-soisgeil uatha e. Fhuaireadh cuid do na Gàidheil air thùs ’s an eisimplir bheannaichte so ann an Albainn. Tha mòran luach d’ a leithid so a dh’ aobhar ’s a tha a nis againn r’ a sheasamh, gu’m biodh tìodhlacan agus tabhartasan air am buileachadh gu saor, gu h-ealamh, agus gu suilbhir:—na h-uile neach bhi ’n a eisimplir d’ a choimhearsnach, ann an inntinn fhial; agus na’n rachadh so air aghaidh ’n ar measg a nis, o aon neach gu neach eile, thogadh e misneachd nan uile; agus rachadh an obair air a h-aghaidh, fo bheannachd an Tighearna, gu h-èasgaidh agus gu h-ealamh, gus am biodh i air a crìochnachadh, chum glòire an Ti sin d’m buin do rìreadh an t-seirbhis. “Is toigh leis an Tighearn fear-tabhairt suilbhir.” Is i ’obair féin an obair a tha a measg ar làmh a nis. Is e aobhar an Tighearn an t-aobhar, d’ am bheil sinn ag aideachadh gràdh bhi againn ’n ar cridhe. Is leis féin an t-airgiod agus an t-òir. Nach ann a bheireadh e féin dhuinn, le a theagasg, smuaineachadh air saoibhreas do raunnsuichte a Thìodhlaic-san do pheacaichibh air an talamh. Nan gearaineadh aon neach ni-eigin d’ a chuid féin a bhuileachadh air a sheirbhis féin a nis,—an ni sin,—am maoin saoghalta sin air am bheil esan ’g ar deanamh ’n ar stiùbhardaibh, ’n uair tha e ’g a bhuileachadh oirnn. Agus tha sinn an dòchas,—tha eadhon dòchas nach beag againn, le a leithid so do eisimpliribh bhi air an toirt leis a’ mhuinntir a ’s comasaiche a measg coimhthional nan Gàidheal ann am Melbourne, nach iad idir a’ mhuinntir a ’s lugha aig am bhcil a bhios air dheireadh. Cha ’n fhacas riamh fathast iad air dheireadh, a réir an comais, aig a’ bhaile, ann an aobhar na h-Eaglais; agus ’s tric gur h-iad sin a fhuaireadh air thoiseach. [TD 4] Tòisichear ris an obair, co luath ’s a gheibhear làrach Eaglais o luchd-riaghlaidh na dùthcha; agus aon uair ’s gu nochdar leibh féin dhuinne, gu ’m bheil bhur cridhe ’s bhur làmhan araon leinne ’s an t-seirbhis, mar tha ar cridhe-ne, agus ar làmh leibh-se, agus air bhur taobh ’s an t-seirbhis cheudna. Biodh, a chàirdean, a chaismeachd cheudna air a togail ’s air a seirm ’n ar measg, ’s an aobhar so a ’s àirde ’s a ’s uaisle do na h-uile aobhar,—is tric a sheirmeadh le ’r sinnsireachd ann an aobharaibh a b’ ìsle luach;—“Clann nan Gaidheal an guailnhibh a cheile Agus mar a ’s cridheile ’s mar a ’s suilbhire a théid sinn air aghaidh, is ann a ’s luaithe cuideachd, fo dheadh làmh a’ Chruithfhir,—fo’ bheannachadh san, air an d’fhuair co iomadh d’ ar n-aithrichibh eòlas a ghabhail mar an Dia-san,—’s ann a ’s luaithe bhios comhfhurtachd againn mar choimhthional, agus gu cinnteach, ’s ann is luaithe a gheibhear soirbheachadh spioradail, le a bheannachd agus a chumhachd féin, ’n ar measg. Is e a nis, gu cinnnteach ar n-àm, agus ’s e àm ar cothroim e, gu tòiseachadh, bhi ’n ar meadhon air soisgeul glòrmhor an Tighearn Iosa bhi air a fhrithealadh o ’n leth muigh, ’s a bhi air a shuidheachadh ann am VICTORIA, agus ann an àrd-bhaile na tìre,—agus sin ’n ar cànain féin; a chum comhpairt bhi againn dhuinn féin, agus dhoibh-san a thig fathast ’nar déigh do ’n Tìr so, anns an fhoghlum spioradail, phrìseil sin—bhi a’ foghlum ’n ar cànain dhùtchasaich ghràidh féin, “oibre mìorbhuileach Dhé.” Agus gun iomradh gun fhoghlum orra sin, ciod dhuinn gach aon sochair aimsireil a bhuilichear oirnn? Agus, air bhur fògradh a mach, mar tha iomadh ’n ur measg, á tìr ar dùthchais, a dhìon ’s a theasairg ar n-aithrichean ann an aimsiribh cunnairt agus cogaidh, le an dìlseachd, an tréine, ’s am fuil; agus far an do nochd iad riamh dìlseachd do ’n Righ, agus sìochaint ’n an inbhe; agus far am bheil an t-sìochaint chneasda, mhacanta sin fathast air a nochadh le ar luchd-dùthcha, a dh’ aindeoin nan àmhghar, nam buairidhean, agus na h-ainneirt, a tha aca ’s an là an diugh r’ a ghiùlan, leis am bheil iad fathast a’ nochdadh am fiùghalachd, agus a’ seasamh an cliùtha mar dhaoinibh; biodh e air a mheas leinne a tha air tighinn a mach cheana, mar ar dleasdanas agus ar n-àrd-shochair, a leigeil ris dhoibh-san a thig air ar lorg, nach do chùl-shleamhnuich sinn ann ’s an tìr chéin so, o chreidimh ar sinnsir. Misnicheamaid cridhe na dreama a thig ’n ar déigh, le a thoirt dhoibh fhaicinn, gu ’m bheil fathast suim againn do aobhar an Tighearna, gu ’m bheil sin r’ a choinneachadh aca, eadhon an so—an Tighearn bhi air aideachadh leinn. Biodh an Eaglais a thogar, ’n a Tigh dha-san, agus d’ a fhìrinn féin, eadhon an so, fathast d’ an téid suas na treubhan, a chum aoraidh a dheanamh dha; agus far am feud iad, ’n uair shuidhichear air tùs an cas leo air fearann Australia, eadhon dòmhlachadh a stigh, gu am bòidean ìocadh do ’n Tighearn an làthair a shluaigh. Biodh an Tigh ud a thogar, fo bhean: nachd-san, ’n a fhianuis eadar an Tighearn agus ar luchd-dùthcha, eadarainn féin agus Esan, chum an gairmear iadsan agus sinne, gu [TD 5] bhi a’ cur an Tighearn romhainn a ghnàth, a measg nam buairidhean eagalach sin, leis am bheil co iomadh an cunnart an anama a chall gu sìorruidh ann an seirbhis dhia an t-saoghail so. Biodh an Tigh ud, air latha naomh an Tighearn, ann an àrd-bhaile na tìre, ’n a ionad a dh’ ionnsuidh an tàlaidhear sinn féin ’s ar luchd-dùthcha, ’s an clann ’n an déigh; agus far am foghluimear leotha fo theagasg a Spioraid féin, slighe na beatha sìorruidh. Biodh e ’n a ionad far an neartaichear na nithe a tha ullamh gu bàsachadh ann an cridhibh ar luchd-dùthcha, ’n uair thig iad a stigh do ’n bhaile so, as na fàsaichibh falmha, tiorma, farsuing, ’s am bheil an crannchur aca; agus far nach cluinnear “guth a’ cholumain” leotha; agus far nach gairm clag-Eaglais na sàbaid iad ’g an tional idir o sheachduin gu seachduin, a chum a sheirbhis-san, ris am bheil aca r’ a dheanamh. Biodh an Tigh ud ’n a fhianuis do gach comunn eile, a tha ag aideachadh aoraidh Dhé, ’n an dòighibh féin, gu ’m bheil fathast sùim aig na Gàidheil do na nithibh a bhuineas d’ an sìth shìorruidh, agus nach ’eil sinn air di-chuimhneachadh Eaglais ar n-aithrichean no teagasgan ar n-òige féin, a fhuair sinn ann an tìr ar n-àraich. Agus nach ’eil feum air gu ’n togtadh an fhianuis so? Agus nach muladach, ma ’s e ’s gu ’m bi na Gàidheil air dheireadh air gach sluagh eile? Tha iomadh Eaglais cheana, ann am Melbourne,—c’ ait am bheil Eaglais nan Gàidheal? Tha sinn, a nis, a chàirdean ionmhuinn, an làthair Dhé agus dhaoine, air ar cur fo dhearbhadh, a dh’ fhaicinn ciod e a ni sinn—eadhon ’n a làthair-san a bheir breth chothromach air gach neach an déigh so, ’s a tha ’g a toirt oirnn eadhon a nis: agus dha-san, feumaidh gach aon dhinn cunntas a thoirt. Chithear, ma ta, ciod a ni sinn. Tha ar làmh a nis mar air a cur ris a’ chrann. Gu’ n deònaich an Tighearn, sibh a dh’ amharc ris féin, agus Spiorad nan gràs agus nan athchuing a dhòrtadh a nuas oirnn,—gu bhi a’ guidheadh air, mar Dhi a ar n-aithrichean, mar Dhia na tìre as an d’ thàinig sinn a mach, gu’n còmhnuicheadh a bheannachd féin air ar n-oidhirp, agus gu ’n soirbhicheadh e féin leatha [?] chum agus gu meal sinne, ’s gu meal na ginealaichean a thig ’n ar déigh, d’ ar luchd-dùthcha, beannachdan spioradail, bith-bhuan a shaor-ghràis féin, tre ’n t-seirbhis a tha air a gabhail os làimh leinn; agus le a Spiorad a’ tighinn a nuas o ’n àirde, a’ co-chur an fhocail ri anamaibh, fo fhrithealadh mheadhonan an t-soisgeil ’s an Tigh a thogar d’a ainm, iomadh anam bhi air a thèarnadh,—an neach so ’s an neach ud bhi air a bhreith ann, agus ’ainm àrd agus uasal’ féin bhi a’ faotainn na glòire. Bithidh neach no dithis do luchd-cruinneachaidh bhur tabhartas a chum na seirbhis so, a’ gairm oirbh; agus ’s i ar dùrachd ’s ar dòchas, ’s ar n-athchuinge, gu ’n cuirear bhur cridhe am farsuingeachd, agus gu’m builich sibh gu saor agus gu fial air an t-seirbhis.