[TD 1] GAIRM DO NA GAEL SGAOILTE FEADH MORROINNEAN, CHANADA. AGUS AMERICA BHREATUINNEACH. A CALL TO THE HIGHLANDERS SPREAD AMONG THE BRITISH PROVINCES. 1858. [TD 2] GAIRM DO NA GAEL. LEUBHADAIREAN URRAMAICHE. Mar choigreach thiginn thugaibhse aig an am so ann an dochas gun amhairc sibh air beagan smaointean a thagh mi a cuibhrionn m’eolas fein ta ro ghann? Cha’n’eil mi toir cainnt ard-thuaimneach na briathra mi-thuigseach leam, oir bhitheadh so deanadh mo ghairm neo-fheumail dhuibhse agus nochadh ris m’aineolas le bhi gabhail suidheachadh nach buin dhomhsa idir. Am brigh ta anns an duilleachan so ta e air son na h’uile, og agus sean, bochd agus beairteach, ard agus iosal, thusa tha subhach cha’n aille leam boinne searbh a chuir an ad dheoch; thusa tha bronach is miann leam briathra solasach thoirt dhuit mar iocshlaint air son do d-horuinn, is e mo thoil gum bi gach suil-deurach air an tiormachadh agus fleasg aoibhneas air fhigh, agus air a chuir mun cuairt do gach ceann air nach eil a leus coimhneal gabhail tamh. Sgrud gach ciall-radh agus faigh a mach a sheadh agus a run.—Seall gu geur air nithe a tha dol seachad fa-chomhair do shuilean gach latha, nithe bu choir t’aithne a mheudachadh agus a neartachadh, coimhead san doimhne ta moran falach nach do bhual fathaist air suil t’inntinn; san airde diomhaireachdean neo-aithnichte air an sgaoileadh ann rum nach d’fhuair aite-tamh ann an tuigse daonnachd, ta fuaim feadh ghleanntan fasail nach do bhrist fois seomar eisdeachd riamh.—Co’s urainn coimhead air gach iongantas ta naduir a’ foillseachadh, air saoghal co-chordach am muigh gun thoirt fainear gum bheil saoghal a steach mar an ceudna—nach tarruinn so suas ceisdean leis am bi am fear beachda chaidh caillte ann an amhluaidh! Am bruadair a th’ann, an e sgail tha gam mhealladh na’m bheil e fior gur e bladh a th’ann. [TD 3] N’ionad-cluiche an tait so agus ’n oibriche mise, ma ’s seadh gur fior so, co mi! ciod e mi! cia as thainig mi! caite am bheil mi dol!—is ceisdean gearr iad so, ach se bith-bhuantachd ni’m fuasgladh gu h’iomlan; cia fior an radh a labhradh le fear o’shean “ta eolas againn ann an cuid,”—agus a rithist, “tha sinn a’ faicainn san am so an dorcha tre ghloine.” Nis ta fios agadsa gum bheil thu fein ann, gur pearsa thu ta eadar dheallaichte o gach pearsa eile ta g’imeachd air a chruinne, gum beil ann ad chruth uasal fein cumhachdan nadurrach agus buaidheanan inntinn a bhuineas dhuitse amhain, ta thu faicinn gum bheil reusan air a bhuileachadh ort gu dealachadh chuir eadar an ni tha agus an ni nach eil, an ni ta fior uath an ni ta cealgach, toirt co-dhunadh o firinn na ciall-radh, o steidh, grunnd na mathair-aobhair sam bith ta deanta na air a radh—Nis mar eil thu dall da riradh feumaidh tu bhi faicinn gum bheil da bhith air an cuir ri cheile ann an aon phearsa, corp agus spiorad, aon ta faicsinneach agus aon neo—fhaicsinneach, aon ta fulangach agus aon ta gniomhach, as urrainn dhuinne fhairachadh agus laimhseachadh, ach car son ta ’n t’ suil air a seoladh agus an lamh air a gluasad! do bhrigh ta mi ag radh gum bheil an toil, aon do bheusan ughdair riaghlaidh a chorp gan stiuradh, agus ta gach gluasad ta gnathaichte am measg muintirr air an co-eignachadh leis a chumhachd a stigh.—Tha mi ’n duil gun ceadaich thu na thubhairt mi agus gun caraich thu e na t’ inntinn fein, gus an cuir thu ris gach inbh feumail ta mise fagail air chul. Ach a bharr air so ta fios agadsa gum bheil moran do nithe eile anns a chruitheachd so seach thu fein. Cha ’n aithne dhuinne leithid a ni agus eifeachd gun aobhar sam bith, ta an tuigse clisgeadh roimh beachd mar so; se aon do na priomh leasanan a ta ro lan—shoilleir gu bhi air a dhi-chuimhneachadh. Ta sinn faicinn an latha leanmhuinn an oidhche, san oidhche an latha—trathaibh dol an deigh trathaidh ann an riaghailt—cuin a thoiseach iad so agus co ta gan cumail cho [TD 4] steidheil! ta a ghrian mar ghaisgeach togail a sgiadhean agus ta an dubharachd teichadh roimh, ach an deigh a chuairt ta e socrachadh a cheann air leabaidh ruiteach an iar—ta a gheal ach agus armailt nan speur dealrachadh an deigh sin, ciod e cho urramach, rimheach agus doigheil ta iad suidhe agus boisgeach an carbadadh airgiodach fad air falbh—cia fad tha iad uile anns an orduigh so—cia fad a choimhead do shuilean orr—co rinn an dealbh—an e iad fein! CHA D’RINN NEONI NI SAM BITH THOIRT MACH FATHAIST.—Ach bhi ceadachadh gun drinn carson ta mi gam faicinn re mo bheatha neo-chaochlaideach, an d’rainig iad an staid anns am bheil mi gam faicinn nis aig an am sin, am bheil gach aon saor agus neo-eiseamaileach air aon eile! Ma ta car son nach eil iad dol air aimhreit agus thar a cheile. Co-bhualadh a chele, na car son ann an cainnt fear eile nach eil iad nan “reulta seachranach,” ach cha’ n’eil bliadhnachan cuir sgail air an solus, na toirt air an astar fas mor na lughdachadh, na deanadh am meud na’n tomad fas nis mo na nis lugha. Ach cia as ta freagairt dol a dh’eiridh suas do gach ceist a chuir mi, ta aon amar as an tig guth cuir gu sith am feorachadh, agus mar gabh sinn so ta sinn caillte ann an imacheist tuainealach, tha sinn air ar seidadh le gach gaoth do bhrigh gu ’m beil sinn seasadh air saolsinnean do-dhion. Ta am Biobull ag innseadh dhuinne gun do chruthaich, DIA, neamh nan speur agus an talamh, so le a shluagh cabhaigach, gun d’reinn e an obair ro-mhaith agus iomlan gun ghaoid nar easbhuidh sam bith ann, gun d’thainig e o a lamh air a sgeadachadh ann an trusgan eireachdail, maiseil ann an uaine; mar an ceudna ta e ag innseadh dhuinne gur bha gach ni foirbhidh gun d’rinn Dia aon mir deth an obair ard as ceann na rinneadh, gun d’rinn e an duine na iomhaigh fein, gun do chuir e gach ni air a chruinne fo a smachd—ta an leabhar so o shean air a ghleidheadh troimh gach linn a d’fheuch ri a shluigadh sios re tuilidh agus tri mile bliadhna. Ach thubhairt mi gun robh obair Dhe mar ta e a nochdadh anns no flaitheas doigheil agus steidheil, a nis mar [TD 5] cunna’ mi an toiseach, nis ma’s’ iad so obair Dhe agus luchd aiteachaidh an talamh mar an ceudna car son ta mi-chordadh torra—car son ta daone air an gearradh sios le cumhachd neo-fhaicsinneach—car son nach mair an duine. Anns an leabhar eolas a rithisd ta mi faotainn freagairt. “Uime sin mar a thainig peacadh a steach do’n t-saoghal tre aon duine, agus bas tre’n pheacadh; mar sin mar an ceudna thainig bas air na h-uile dhaoinibh, do bhrigh gu’n do pheacaich iad uile.” Am beil thu toirt creideas do’n sguel gur e “Dia nan dul,” Fear-deaneamh gach ni—nach e “Dia nam feart” is aobhar mor agus ugdair gach ni, nach e an lamh ta uile-cumhachdach tha riaghladh farsuinneachd cho mor agus gur e earrainn bheag dheth ta ar suilean faicinn. Mar e Die rinn gach ni ta ann am bith an innis m’fhear leubhaidh domh co a rinn, an e creutair taimhaidh, ma ’s e c’arson nach eil an comas ceudna aig gach duine air thalamh, c’arson nach eil iad ga’n cumail fein ann am bith gu siorruidh—far am bi umhlachd fulangach feumaidh cumhachd bhi air a chuir an gniomh, ta so air a dheanadh folaisach anns gach ball dheth na chorp bhi umhal do’n toil—cait am beil barrachd aig aon duine as ceann duine eile, nach eil am bas toirt buaidh oira-san uile—cha’n’eil moran uine o thainig thu air an talamh so—cait am beil do shinnsearan! chaidh iad a chadul agus tha thusa ga ’n leanmhuinn gu dearbh; ta tuinn an fhairge so beantainn ri cladach na siorruitheachd—am beil thu cuir amharus nach eil so fior, ta a comasach dhuinne bhi air ur mealladh ann an cuid do nithe, ach ta cuid eile air am bheil sinn dearbhte agus fiosraichte—nach eil mi cinnte gur ta mi cluintinn clag a bhais bualadh cho solaimte gum bheil e fior. An aodainn b’aithne domh gu maith agus an guth bha ceolmhor do m’chluasan, cha’n fhaic mi a ghiulan na a mhodh flathail an deigh so, ’s cha bhrisd e ciuineachd sam bith le fonn a bheul. Bhual righ nan uamhas sleagha a bhais,—“ta e air dol gu talamh tosdach na di-chuimhne.” Am beil thu toilichte [TD 6] fathaisd gum beil am bas teachd dluth dhuit, coisich gu aite-adhlaicadh agus faighnaich ris gach carragh, ris gach leac agus uir glas, leubh gach comharradh cuimhne ta sgriobhte orra, cunnt an aireamh uaighean beag agus mor, uaighe a cheann liath agus an t’oganach aig an robh maisealachd na h’oige cluiche air a ghruaidh, paisde an ailleachd, luaidh a mhathair fluran taitneach piuthar, companach fabharach iomadh orra air an robh fiamh-ghaire gradhalachd tamh diultadh fh’agail gus an do chuir an t’aog-neulach an ruaig air. Faighnaich dheth gach guth bronach ta air feadh na duthaich ta ’a gul alt an agus a caoidh, c’arson am mulad ta gan cromadh sios gu talamh—faighnaich dhiuth-sa ta air an comhdach ann an eudach dubh aig am beil gnuis ta dolasach agus trom co-fhreaganach ris an sgeadachadh ta iad caitheamh. Ciod e an fhreagairt bheir iad dhuit, an leor leat na fianaisean—innsidh iad dhuit gum beil cadal taobh ri taobh am fear-cogaidh agus am fear-sith, an t’ardanach agus am fear-iriosal, an t’uachdaran agus a bha aige fo chise, an diobarach traugh agus an righ mor, an deirceach bochd agus an t’Iudhach beairteach siochail ann am baile nam mairbh—nis ta sinn faotuinn co-dhunadh o na ta roi luaighte, “coinnichidh am beairteach agus am bochd a cheile, is e’n Tighearna a rinn iad gu leir.” Ta fios agadsa gum beil thu ann am bith, agus is coir dhuit a thuigsinn ciod e an t’aobhar airson am beil thu ann—gur ta thu faicinn gum beil do chairdean dol gu aite na sith agus nach eil ach uin ta goirid gu bhi agadsa air an talamh is coir dhuit coimhead ciod e an gairm na an sealbh glacadh a leanas to anns an aon bheatha tha thu gu bhi ann an so, suibhail air do thuras anns an t’ slighe chi thu as coltaich ri sonas agus solas a thoirt dhuit, s e so ta gach neach ag iarraidh, s’e so a bhearn mhor a thug am peacadh na chursa, ta anns gach cridhe falamhachd agus ta iad feuchainn ri’n lionadh,—ta mi cinnteach gum beil mu cuir di-mheas air firinn an tagradh so, mar eil, car son ta leitheid a shoathair, obair ghort agus dichioll air an cuir a’ mach gun an t’iarrtas bhi sasaichte: c’arson ta iad stri ri ni [TD 7] fhaotainn agus nach eil iad air an toilachadh—do brigh ta mi ag radh nach eil aid tuigsinn am feuman fein, ta iad coimhead air an sgail agus fagail am brigh gun aire a thoirt da, “ta sibh ag iarraidh, agus cha’n’eil sibh a’ faotainn, do bhrigh gu bhiel sibh ag iarraidh gu h-olc.” Bheir mi beachd air so agus anns an dol am mach ni mi beart chuir an ceill. Cha’n’eil ni sam bith corporra na talmhaidh air a chumail ann an seilbh neach sam bith, ach ann an smuain na beachd. Airson mineachadh le samhla—an spiocaire ta tionail airgead leith-cheud bliadhna, cait an cuir e an sporan “far neah truaill an leomann no a mheirg, agus nach cladhaich, agus goid na meirlich.” Cait ta ath-ghairm ag radh! an cum e na lamh e, thig aon as treise na esin agus bheir e uaith e, thig cadal air agus faodaidh fear as laig na e fein ruith air falbh leis—cuiridh e air falach e faodaidh e bhith air fhaotainn a’ mach—cuiridh e am an tigh-tasgaidh e ach innseadh a bhliadhna so am bheil aitean malairt seasach, am beil iad saor o theine—nis ta gach ni corporra na talmhaidh na mhaoin no na luach ann an airgead laimhe, ta gach bathar buailteach do na ceart cunnairtean do ’n robh an sporan—ta na duile lan do innealan millteach—tubaisteachd agus sgiorradh beudach sguabach air tir agus na gaotha mi shealbhar (mar a their iad riu) air a mhuir. Ach ta fear agradh “cha’n’eil mi sireadh ionmhas, ta mi sireadh taitneas agus toileachadh” faigh iad gu daor ach cia fad a mhaireas iad! an dean iad do chluasag socrach aig a bhas, ta nach eil ag radh “ta mise ag iarraidh ainm mor bhi agam an deigh m’ eug, cuiridh mi crios air mo leis agus targaid air mi lamh chli, agus air m’eideadh theid mi gus a chogadh am measg nan gaisgich euchdail,” feudaidh tu sin uile a dheaneamh agus faotainn gu bhi aig “ceann nan laoch”—faigh cliu Alasdair mhor na Ghreig, Napolain na Fraing, an dara Tearlach deug, righ na Suain, na Rob fear fuasglaidh Alba, ciod e am feum ni e dhuit, an cluinn thu am moladh so ged bhitheas e air a charnadh ort “gus an caillear am ann an dilinn aois”—cha chluinn! Ach ta fear eile ag’radh “gheibh mi [TD 8] eolas agus foghlum, tuigse air naduir bithidh iad so tearuinte o gach gabhadh a dh’ainmich thu.” Bheir mi cead do sin gum beil am fios ta aig urra’ air a thasgadh suas ann an inntinn. Saor o chunnart, cuimhnich gum beil e comasach eolas fhaotainn le da run fo’ ur beachd—faodaidh aon so a shireadh airson a dheigh, a mhiann, no a neonachas a shasachadh: fear eile airson an fhirinn fhaotainn a’ mach, ta e an comas pearsa bhi “sir-fhoghlum, agus gun chomas doibh gu brath teachd chum eolas na firinn.” Nach df’huar righ glic Israel iad so uile air an do bheachdaich sinn agus moran nis mo na ’s urrainn dhuitse duil bhi agad. Nach do chuir e gu fois a cheist bha dorch do druidhean an ear, ciod e bu mhaith araidh don duine—bha saibhras aige, agus gach ni a dh’iarr a shuil ach cluinnibh an suim mar ta iad uile air an cuir ra cheile, “diomhanas, diomhanas, is diomhanas iad uile.” Se so sgeul an duine ainmeil a bha comasach air fios earbsa thoirt air a chuis. An corp is ni dion agus tearmunnach e do seud moran is fearr, a phairte sin deth an duine deante ann an iomhaigh a chruithear. Se so an dachaigh anns am beil air spiriod gabhail comhniudh re uine—ta e air a chuir an so mar sgoil—ullachaidh airson siorruitheachd—ta e air innseadh dhuinne gum beil e mar fhiachaibh air gach creutair an duine stigh a chuir ann an seilbh air iomhas ta cinnteach, ta seasach, neo-throm ra ghiulan, nach ruith air falbh, nach goid meirlich agus nach loisg teine. Ach ta eagal orm gum beil sgios ort ga ’m’leanmhuinn cho fad, ma thug mi thu troimh aitean dorch gun solus is duilich leam e; ma bha dhlu-choille far an do threoraich mi thu cha ruig thu leas bhi teachd gu co-dhunadh gur ann am dheoin a rinn mi e, agus mar eil thu tuigsinn na thubhairt mi agus an seol-labhairt anns an do chuir mi mo smuain, an fhirinn bha mi stri ri thoirt an lathair, an comh-roinn agus an comh-phairt ta agadsa thu fein anns a chuis so. Glacaidh mi nis do lamh agus ni mi soillear so mar ni mi ath-innseadh dhuir ann am binn cho aon-fhillteach agus is aithne domh. [TD 9] Nis eisd ruim. Thoisich mi le innseadh dhuit gum robh thusa thu fein ann, gun robh buaidheanan inntinn air an toirt dhuit airson fiosrachdh leo agus eolas fhaotainn air na bha thu faicainn, gun robh iomadh saoghal cuairtreachadh gu breagh anns na speur, gun robh cordagh ’nam measg, gun do chruthaich Dia iad uille, an talamh air an robh thu siubhail agus thu fein, thubhairt mi gum robh iadsan neo-chaochlaideach fuireadh aig am puist o aois gu aois, nach robh a cholluinn ghrinn ann an cumadh agus maiseach ann an dealbh a tha agadsa dol a sheaseamh fad, ach air an lamh eile uine ghoraid, air eagal nach aomadh tu gu mo chreidsinn thug mi thu am measg na’ mairbh gus am faiceadh tu leabaidh a mhuintirr bha aon uar beo agus cho tapaidh, cho foghainteach, cho og na cho sean ruitsa, a bha cho bior-shiuleach agus cho beothail ruitsa ta iad nan suain—d’fheuch mi dhuit—comharraidhean broin anns an duthaich, dh’iarr mi ort fhaighneachd dhiuthsa an robh so fior. Dearbhte gum feumadh na chunnaic thusa agus mi fein athailt chuir oirnn’e agus ur toirt gu co-dhunadh gur coir dhuinne aire nis mo thoirt do’n phairt as luaichmhor dheth na tha air a chur fo’ur curam—d’fheuch mi gun robh saibhrais, beartas agus gach ni bha talmhaidh dol seachad ann an uine. Nach bi onair sam bith air a sheirm ann a chluais an deigh a bhais. Nach eil iad so uile an ad chuimhne—cum iad. Bheir mi comhairle dhuit agus an deigh sin their mi slan leat aig an am so. Ta fios agad gun do thuit Adhamh agus mar sin thainig peacadh air a shliochd—chaidh an iobairt loisgte thoirt suas—an fhuil dhoitadh air an altair—an sinagog a thogail aig abhuinn Bhabilon—an teampull ann an Ierusalem. Ann an “an iomchuidh rinneadh Dian a dhuine—thainig e gu na chaill a cheud Adamh fhaotuinn air ais—rinn e comhnuidh air an talamh re uine—rinn e miorbhuilean am measg muintirr feuchainn gu soilleir gum b’esin “Dia follaiseach anns an fheol”—rinn an Satan sin a mheall Eubh a thoirt don fhasach, thug e tairgse an deigh tairsge dha. Chuir e an gniomh na bha do chealgaireachd aig—bha inntinn geur-thuigseach cho [TD 10] sinnte agus a b’urrainn dha a cuir gus an Slanuighear thoirt gu geill, ach thug an gaisgeach a bhuaidh an uar so. Thug ann t’uachdaran Romanach seachd dol n h-Iudhaich e, agus chuir iadsan gu bas e le peanas Romanach, rinn iad a cheusadh—bu chruaidh agus fulangach am bas so, an da lamh air an ceangal ri mir tarsuinn a chrann leth tairngnean mor, agus na cosaibh mar an ceudna ris a mhir dirach, air a chrasgaoil eadar neamh agus talamh fuar e bas, bha a naimhdean air an toileachadh gun d’fhuar iad fhuil air a doirtadh—rinn iad fanaid air—an deigh dha bhi re tri uairean anns an staid so agus uallach air, a bhruthadh agus a phronnadh mile aingeal. Seadh an t’armailt dhiubh uile, oir se dioghlatas an uile chumhachdaich a bha air. Aig an tasbainadh sin d’fhalaich a ghrian a h’aghaidh, agus re tri uairean fo dlu-chrith le oillt agus eagal sheas na naimhdean fo sgail-broin naduir—bha brat-roinn an teampull a chuir eadar-dhealaichte na h’Iudhaich o na Cinnich aig an aoradh air a reubadh o mhullach gu iochdair, “Chrith an talamh.” Sgoilt na creagan, dh’fhosgail na h’uaighean augs dh’eirich moran bha nan codal. Au ceann tri láithean bhrist seul Philat, leum a chloich bha dunadh tuam nuadh Joseph, thanaig an triath ro-mhor suas agus iuchair a bhais na lamh, ann an cainnt fear eile,— “A’s ged luidh e’ san uaigh, thug e buaidh an cabhag, A’s chaidh e suas lecaithream gu gloir.” NA RIS: “Chuir ifrinn ’s uaigh an lamh r’ a cheil, ga chumail shios fo ghlais; Ach bhris an gaisgeach dheth gach sas, is dhuisg e’ n aird, gu cas.” Cha’ n’ eil thusa gun fios bhi agad carson bha so uile, an d’fhag “an Dia bha ann o siorruitheachd” aite comhnuidh gun aobhar; an deach e troimh deuchainnean cruaidh gun bhrigh sam bith no gun a chrioch bhi air a bhuannachd, am beil thu faicinn gum beil do pheananna’ a air atadh suas an tonn fo an dh’fhuilling Criosd. Ach thug Criosd air falbh peachadh an t’saoghail leis an iobairt reite a rinn e, an beil thusa fathaista a chreutair thruaigh gun fios agad air so, am beil [TD 11] thu dol gu bas leis a phathadh agus an tobair fosgailt lamh riut—Cia fad a tha thu dol a sheaseamh an aghaidh gras agus trocair! Cia fad tha thu dol a dheaneamh seirbhis do namhaid t’ ainm! ciod e an coir ta aig ort, ciod e an luach saothraich a bheir am fogarrach o neamh dhuit ma ni thu seirbhis dha re do laithean, an ann na lathair a thig thug aig an as-eirigh, ’s maith ta fios agad nach ann, ta e fein na phrionsanach fo smachd aig Dia “fa chomhair breitheanais.” Na ’m be seacharan talmhaidh a bhitheadh agad ra dheaneamh dh’ullaichadh tu air a shon, na ’m be cuirt agus breitheamh talmhaidh gus an robh thu dol air latha araidh bhitheadh curam oit. Ciod e do churam air son an latha sin air son an d’rinneadh gach latha eile, an latha sin tha cinnteach! Am beil thu gun “chuid no crannchur sa’ chuis so”—Am bheil do chridhe mar ailbhinn—cia fad tha thu dol a dheaneamh dal air cuis cho mor—Am beil thu dol a d’ fhas nis fearr, dol a chuir cul ri cuid deth do gniomhara peacadh. Car son thainig Criosd nam b’urrainn muintirr iad fein a dheaneamh reidh ri Dia. Car son ta mi ag radh a bha am fulangas so uile, car son no “ciod is ciall do’n ana-caitheadh so.” Ta fios agad gum beil Dia ullamh a bhi trocairach ruit. Cha’ n’eil agadsa ach teachd, ta an luach paidhte, cha’n n’eil agadsa ris an d’orus f’hosgladh ta e fosgailte! O nach imich thu stigh, tilg sios an leabhran so agus ruith agus tuit aig a chasan, tilg thu fein air gairdean a ghaol, agus mar cluinn e thu is tu a cheud neach a dhuilt e’. Cha’ n’urrainn e e fein aicheadh. Teich airson do bheatha gu baile na dion. Ta cunnairt am fagus dhuit co dhiu chi thu e na nach faic. Ta trocair ag glaodhaich, Thig. Ta firirnn ag glaodhaich, Thig. Ta gradh ag glaodhaich, Thig. Ta Dia ag radh “mar is beo mise, cha’ n’eil tlachd agamsa ann am bas a pheacaich, dear an Tiaghearna Dia,” Thig. Ta Criosd ag radh “thigibh a m’ionnsuidh-sa sibhse uile ta ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” Ta a bhean-nuadh phosda ag radh. Thig. Ta na Spiorad ag radh “Feuch ta mi a’ m’ sheaseamh aig an dorus, [TD 12] agus a’ bualadh”—Ta na h’aingil fuireach agus bu mhiann leo ruith leis an sgeul—Ta naoimh air neamh agus air thalamh ag radh, thig—Ta an aithen ta gad fein nach eil thu ceart ag radh, Thig—Ta do coimhseas ag radh, Thig—Ta an uine ta dol seachad ag radh, Thig—Ta am bas le beul fosgailte ag radh gu ard-fhuaimneach, Thig, oir “ta mi teachd gu grad”—Ta’n t’siorruitheachd ag radh, Thig oir “ta mi teachd gu luath.” Ta breathanais ag radh, Thig oir “ta mi teachd gu h-aithghearr; agus a ta mo luach—saothraich maille ruim.”—Ta Satan troimh do chridhe olc ag radh, na Thig—Ta thu ag eisdeachd ris a ghuth ta sireadh do sgrios—Ta mo sgeul air innsadh, pithidh mi ag radh beannachd leat, ach ann an co-dhunadh ta mi faighneachd dhiot am beil thu fathaist diultadh, gun dean Dia e fein sealladh thoirt dhuit—Slan leat. “Am fear leat corruich air Dia, ’San Triath bhi dhuit ’na namh, Is ionmhas feirge thasgadh suas, Ni truagh thu la a bhrath.” Printed by J. C. BECKET, 36 Great St. James Street, Montrose.