[TD 1] FOCAIL AIR TURUS NA BAN-RIGH DO BHAIDEANACH, ’S A’ BHLIADHNA 1847: MAILLE RI ORAIN GAIDHEALACH NACH ROBH RIABH AIR AN CLODH-BHUALADH. BY A NATIVE OF BADENOCH INVERNESS: PRINTED BY MACKINTOSH & CO. 9 CHURCH STREET. 1850. [TD 2] Oran air Turus na Ban-Righ do Bhaideanach. ’S a’ Bhliadhna 1847. Fhuair sinn sgeul a’ Lunninn, A dh’ fhag eibhinn gach duine, Gun robh Bhann-Righ air thurus, Tighinn a dh’ fhuireach ’s na glinn. LUINNAG— Ho ro ilinn ho ri, Na fir threach òg throma, Piop ard nan dos donna, Cha bu choma linn sibh. Leis cho glic ’s tha Bharr-ighinn, ’S mor a meas th’ air na Gaidheal; ’S ’n uair thig ise, bitheadh iadsa Aig caisteal an armuinn, air a’ cuin. Leis cho, &c. ’S ann am Baideanach a thaimh i; Gheibh am Prionnsa an gach abhachd; Bidh Cluainidh ann, ’s na Gaidheal— Sud an geard nach robh cli. ’S ann am, &c. Bu tu roadh gach sealgair, Air do thurus an Albainn; ’S ann eadar Beinn-eubhlair ’s Lochearba, ’S tric a mharbh thu na féidh. Bu tu, &c. Leig thu trì dhiubh an latha, An am fridh taobh Loch-Lagain, Da dhaimh riabhach nan caper, Nach d’ thoir gallin gu cìs. Leig thu, &c. Shiubhal reidh aig coin sheangach, Gillinn dluaidh ga ’n leannailt; Gheibhteadh lurach gun cheannaich, Aig am feanna na bean. Shiubhal, &c. [TD 3] Gheibhteadh sud air do ghulan, Gunna clasach nach diulteadh; ’S nam lasadh an fhudar bidh fear ceir Gheal ri umhlachd do ’n Phrionsa anns a’bheinn. Ghoibhteadh, &c. Bidh an spreadaich searbh Do luchd na falnian dearga, Tighinn gu baile mu anamach, Gilleann eallachich troimh sge. Bidh, &c. Sgiathach, taragadach, criosach, Dagach, arigadach, miosal, Dol ri namhid nach tilleadh, Air bheag giorag sus stri. Sgiathach, &c. Fraoch uaine nan stucbheann, ’S na boinneadinn dù-ghorm, Sporan breachd ’s bidh an cunnaidh, Leis an ruighte na gill. Fraoch, &c. Fir dhileas le Cluainidh, Ite an fhirinn o’n cruachan, Cat fhaidhaich ri strol uaine, Bu sid suaicheantas do shinnsir. Fir, &c. Fir uallach nam breachdan, Shuibhleas ulach an creachan, Agus féille do’n tartan, Air na gaisgeach nach tiom. Fir, &c. Osan gairr agus gartan, Mar-ri brògan an astir, Ghabh BHICTORIA tlachd dhuibh, ’S ghleadh sibh fasan gach linn. Osan, &c. Chunnaic mise i ’n Caisteal Chluainidh, ’S ’n teaghlach rioghal ri guaillinn, Far am fac i arm lann an flath uasail, Linn ri dualchas a shinnsir. Chunnaic, &c. [TD 4] ’S mor an t-urram do Chluainidh, ’S do ’n thruir mhac bha ri ghuaillean. Bhidh cuairt na Ban-righ bho ’n uair sin, Sgeul buain e ri innseadh. ’S mor, &c. Sgian ’s forc agus biodag, Ghleadh do dhilsin gun fhios iad, Thug sibh am folus an nis iad, ’S cha ’n iarr ise an toirt duibh. Sgian, &c. Rann do Thighearna Chluainidh. Air dha na Caoirich fhuadach as a thir. Deoch-slàinte Thighearna Chluainidh, ’S gur cruadalach gaisgeil e, Na féileadh ’s breacan-guaille Gu h-uasal, uallach, astarach; Gu h-àillidh, fìnealt, suairc, An deis a chuairt ’an Siobaraltar, Far bu ’m bu cheannard uair air sluagh e, Mar bu dual da o athair, An coirneal uaibhreach ’on bhuaint e, ’Stric thug buaidh mu thuoth air Yankees. Ní as òibhinn leinn a luaidh ort, ’S a thug mòr aoibhneas do d’ thuath-cheathairn Thu bhi air do shuidheachadh ’an Cluainidh, Mar oighre flatha an dualchais Cumail suas dhuinn gach deagh fhasain; ’S do shar-bhaintighearna ri d’ ghuailann, Gu h-àillidh, fìnealta, suairce, Baindidh, banail, dèarr-làn, uailse, ’Cur fàilt’ le piob mhoir a’s àrd nuallan, Air sluagd aig a’ chaisteal. Mar aiteal nan rós à gruaidhean, Deud mar shneachd ’am beul na stuaime, ’S gile tuar na snuagh na cailc, ’S i ’shiol nan uaislean o’n taobh-tuath oirnn. ’S tric a bhuannaich air luchd chasag. [TD 5] ’Se dh’fhàg cliù Og-Thighearna Chlnainidh Ga sheinn ’sna glinn so shuas le aiteas, E dh’fhogradh chaorich agus bhuachaillinn Thar Druim-uachdair chun na machrach. Tha Beinn-èubhlair nan cèir-coireachu-fichead Làn misnich agus àbhachd, ’Si àrdh, o’n rinneadh frith dhi rithist, Nach dìbir sithionn gu la bhràth i. Tha Beinn-éibhinn ’s Beinn-a-chlachair Làn aiteis agus sòlais, ’Guidh buaidh ’us beannachd do’n ghaisgeach Thug air ais dhoibh a’ ghreigh chrochdach. Chomhdach an creachainn Mar a chleachd iad ’nan òige; Tha maraon subhach Coire-chip ’us coire-’n-uimhir, Far an tric an d’rinn do làmhsa puthar Air an dearg-ghreigh ’a iad ’nan siubhal, Bu bhoidheach iad ri taobh struthain, Sìnte, reubte, ’s an creuchdan a’ sruthadh. Cha’n ’eil iarla no dùic san rioghachd Nach ’eil toileach tigh’n do’n tìr so Dh’fhaighinn spors uat anns na frihean. Tha Ban-Righ Bhictoria, D’an d’thng thu còmhnuidh taoph Loch-lagain, Ag ràdh, nach dìbir i ri ’beò thu, Chionn a’ chróchd-greigh bhi fo d’ fhasgadh. Gach fear nach òl le aoibhneas, Deoch-slàinte cheannaird uasal urramach na feile, Nior robh mac no nion aig a chéile, No e féin na éididh gaisgich! Bi’ dh mi nise co-dhùnadh mo chrònain, ’Guidhe sonas agus sólas bhi, Ri bheo, an tìr nam Badan, Do shàr mhac-oighre cunaidh ’fhòghluimt’, Leis an robe mi ’n righ’chd Mhoroco, S a thug buaidh air sluagh an iompaire mhor sin, Mu’n d’fhuair i ceart dol ann an ordugh, Air beanntainnibh mòra Atlais. [TD 6] Cumha le fear de Shaighdearaibh an Fhreiceadain Duibh, Air do ’n Cheannard Uusal, Tighearna Chluainidh, Ceann-cinnidh Chlann-Chatain, an Reiseamaid fhàgail ann am Malta, ’s an Iuchar, 1832. FONN—“Coire ’Cheathaich.” O! teannaibh dlùth orm, a shliochd nan stuchd-bhean, ’S gach cridhe rùnach do ’n dùchas gràdh, Gach Gaidheal uasal a mhothaich suairceas, Og-Thighearna Chluaini, a b’uaisle gnaths; O! teannaibh dluth orm, tha m’aigne brùite, A’ caoidh an fhiùrain a dhuisg mo chradh; O! deanaibh fòir orm, ’us tuiribh co-lamh rium, N déis an oigeir a sheòl thar sàil. Bi’dh beachd gu brath air an latha chraiteach, A sgar an sàr-laoch o’ chairdibh dlùth, Ar misneach shearg i o’n dh’fhag e’n armailt, Ar sgiath ’s ar targaid b’e ’n t-armair ùr; Dh’fhalbh bun ’us braighe a’ chroinn a b’airde, Ar flùran sar-mhaiseach tharr ’san ùir; Gach cridhe Gaidheal tha ’n diugh fo phramhan, ’S cha chridhe nàisionnach nach dean tùrs’. Co nach tùrsadh an ceannard uiseil, An diugh ’chuir cùl ruinn a nunn thar chuan? Am flath a’s cairdeile ’tha air Ghaeltachd, A’s fialaidh’, blàithe, ’s a’s aillidh tuar; Fear-fòiroir truaghainn, le sporan fuasgailt’, Ri sgèul na truaighe a dh’aomas cluas, ’S a ni, gu faoilidh, air bochdaibh faochadh, Le biadh ’s le aodach, gu caomhail luath. Tha mùirn ’us uaisle an Aros Chluainidh, Cha ’n fhaicear gruaman mu ’n cuairt d’a mhùr, Ach féil ’us aoighealachd ann gach aon latha, S maoin ’ga sgaoileadh le faoilt’ as ùr, Tha cridhe ’n uasail ’s a dhorsan fuasgailt A reir an dualchais ’bu dual ’s bu du;— ’S mo ghuidhe féin duit, a cheannard chéutaich, Gach piseach éirigh leat ré do chùrs’. [TD 7] Rann do ’n cheannard uasal sin, Corneal Radhal Domhnullach, Air da thighinn dachaidh as na h-Inmsibh an Ear, agus moran moith a dheanamh do bhochdaibh a dhuthcha. Deoch slainte Choirneil Raonuill, ’S leinn is éibhinn e thigh’nn dachaidh, ’N deigh a thurus thall thar chuan, Far ’n do bhuannaich e gach baiteal. Leum is taitneach e r’a innseadh, ’S a bhi ’ga leughadh le fìrinn, Anns gach gàsaid ’s an rioghachd, Thu bhi ’d ridire tìre, Le ordugh na Ban-Righ; Lamh bhuannachd gach cìs thu, Ri uchd cruadail gu dìleas, ’N uair a thairngeadh gu strì leat bragad. Cha ’n ioghnadh leinn thu bhi buadhar, ’N uair nochdar claidhe gun truaill leat, Air thoiseach do shluaigh, ’S a liuthad sruth uaibhreach A tha dìreadh mu d’ ghuaillibh, Fuil righ agua uaislean, A stoc Chloinn-Dòmhnuill a’ chrurdail, O Gharbhath nan stuadhan, Far an d’ rugadh ’s an d’fhuair thu d’headh arach; Cas a shiughal nam fuar-bheann, Le do ghunna mar bu dualchas, ’S tu namhaid an ruaidh-bhuic, Choilich-dhuibh anns an dubhar, ’S eilid bhinneach nam fuaran; ’S tric a leag thu ’n a luathas Damh aigeantach uallach na cràice. Cha ’n fhac’ mise le m’ leirsinn, Eadar Raineach is Sléite, Srath-Ta is Srath h-Eirionn, Is Srath-Oissean nan réidhlean, Mac Gaidheal a’s ceutaich’ Na ’n Coinailear euchdach. Cha ’n ioghnadh leam féin sud, ’S thu cho cairdeach do ’n treun-fhear, O Cheapach nam peuran, Mac an fhir leis an éireadh na Bràigheich. [TD 8] Bidh mi nis ag òl, mo dhrama, A’ guidheadh sonas, sòlas, is saoghal fada. Do shàr-mhac oighre an deagh athar, Nach do thionndaidh ’chulaobh riamh Ri ’namhaid no ri a charaid. Deoch-slainte an Aon cheudna. O! teanna dlu orm, a shliochd nan stuc-bheann, Is deannaidh umhlachd, A dh’ òl deoch-slainte a Choirneal mhuirnach, A choisinn cliu ar tùs gach batail— A dhearbh, là Bhaterloo, an Reisimid an diùic, Thu bhi dh’ fhuil rioghal nan stuc-bheann, Nach do thionndaidh riamh le gealtachd. ’S e thusa chuir crioch le rian ’S na Innseachan shios air gach ath-sith, A dh’ fhag Ban-Righ a’ chrùin cho muirneach mu do phearsa, ’S gu ’n d’rinn i Ridine claidhine dhiot, Le mor dhurachd, an lathair Iarlaichin ’s Diùicin, La na bliadhna ur chaidh seachad. ’S lionmhor bochd ha ri urnuigh Gu dluth as do leathsa, Eadar tùir-cuimhne an Diùc, Caisteal-dulnidh, ’sa Cheapach, Gu ’n gleidhte thu gun chùireadh. Armair mhuirneach nam baiteal, ’S ’n am tighinn do ’n chadal as nach duisg thu, T-anam a dhi air a stùiridh Gu Righ nan dùl anns na flaitheas. ’S e bhi ga d’ fhaicinn cho dùlidh, Le d’ phearaichinn òg chlùiteach, De dh’ eaglais Sron an-dùin, A dh’fhag mo shuilean-sa gun ghaiseadh. Tha tuath-chearna do dhuthcha— Luchd nam boineid dn-ghorm ’s nam breachdan— Guidheam beannachd dhuit le deadh dhurachd, ’S ’g ràdh, nach di-chuimhnich iad Do chluth ioman doibhse Air strath do chucha Gus an càirear iad san ùr nan luidh. [TD 9] FOCAIL AIR TURUS NA BAN-RIGH DO BHÀIDEANACH, ’S A’BHLIADHNA 1847: MAILE RI ÒRANAIBH GÀIDHEALACH EILE, NACH ROBH RIABH ROIMHE AIR AN CLÒDH-BHUALADH. LE FEAR DO MHUINNTIR BHÀIDEANACH. EDINBURGH: PRINTED BY J. THOMSON, MILNE SQUARE. 1850. [TD 10] [Taobh-duilleig 2 san leabhar fhèin] Oran air Turus na Ban-righ do Bhaideanach, ’S a’ Bhliadhna 1847. Fhuair sinn sgeula á Lunnuinn, A dh’ fhàg éibhinn gach duine, Gun robh Bhan-Righ air thurus, Tighinn a dh’ fhuireach ’s na glin. LUINNAG— Hò ro, ’illean ho ri, Nu fir threubhach òg throma, Piob-àrd nan dos donna, Cha bu choma leinn sibh. Leis cho glic ’s a tha Bhàn-ruinn, ’S mòr am meas th’ air na Gàidheil; ’S ’n uair thig ise, bidh iadsa Aig caisteal an armuinn ghrinn. Leis cho, &c. ’S ann am Bàideanach a thàimh i; Gheibh am Prionnsann gach àbhachd; Bidh ann Cluainidh, ’s na Gaidheil— Sud an geàrd nach robh cli. ’S ann am, &c. Bu tu rogha gach sealgair, Air do thurus an Albainn; Eadar Beinn-eubhlair ’s Lochearba, ’S tric a mharbh thu na féidh. Bu tu, &c. Leag thu trì dhiubh an latha, An am frìdh taobh Loch-Lagain, Dà dhamh riabhach nan cabar, Nach d’ thoir gaillionn gu cìs. Leag thu, &c. Siubhal réidh aig coin sheangach, Gillean dlùtha ga ’n leanailt; Gheibhteadh lùireach gun cheannach, Aig am feannadh ’s a’bheinn. Shiubhal, &c. [TD 11] [Taobh-duilleig 3 san leabhar fhèin] Gheibhteadh sud air do ghiùlan, Gunna glasach nach diùltadh: ’S bidh fear céir gheal ri ùmhlachd, Do na Phrionns’ anns’ a’bheinn. Gheibhteadh, &c. Bidh an spreadhadnich searbha Do luchd nam falluinnean dearga, Tighinn gu baile mu anmoch, Gillean eallacha sgith. Bidh, &c. Sgiathach, targaideach, criosach, Dagach, airgiodach, miosail, Dol ri nàmhaid nach tilleadh, Air bheag giorag ’s an t-srì. Sgiathach, &c. Fraoch uaine nan stùcbheann, ’S na boineidean dù-ghorm, Sporan breac ’s bidh ann cùineadh Leis an ruigteadh na gill. Fraoch, &c. Fir dhileas le Cluainidh, It’ an fhireoin o’n cruachain, Cat fiadh’ch ri sròl uaine, B’e sud suaicheantas do shinnsir. (or) Sud an suaicheantas grinn. Fir, &c. Fir uallach nam breacan, Shiùbhlas eòlach an creachan, Agus féile do’n tartan, Air na gaisgich nach tiom. Fir, &c. Osan gearr agus gartan, Mar-ri brògan an astair, Ghabh BHICTORIA tlachd dhiubh, ’S glèidh sibh fasan gach linn. Osan, &c. Chunnaic mis’ an i ’n Caisteal Chluainidh, ’S an teaghlach rioghail r’ a gualainn, Far am fac i airm an flath uasail, Linn ri dualchas a shinnsir. Chunnaic, &c. [TD 12] [Taobh-duilleig 4 san leabhar fhèin] S mòr an t-urram do Chluainidh, S do ’n triuir mhac bha ri ’ghuaillean, Bhi ’n cuirt na Ban-righ o ’n uair sin, Sgeul buan e r’ a innseadh. ’S mor, &c. Sgian is forc agus biodag, Ghlèidh do dhilsean gun fhios iad, Thug sibh ’m follus a nis iad, ’S cha ’n iarr is’ an toirt duibh. Sgian, &c. Rann do Thighearna Chluainidh. Air dha na Caoirich fhuadach as a thir. Deoch-slàinte Thighearna Chluainidh, ’S gur cruadalach gaisgeil e, ’N a fhéileadh ’s breacan-guailne, Gu h-uasal, uallach, astarach; Gu h-àllidh, fìnealt, suairc, An deis a chuairt ’an Siobaraltar, Far bu ’m bu cheannard uair air sluagh e, Mar bu dual da o ’athair, An coirneal uaibhreach ’on bhuaint e, ’S tric thug buaidh mu thuath air Yankees. Ni a’s aoibhinn leinn a luaidh ort, ’S a thug mòr aoibhneas do d’ thuath-cheathairn Thu bhi air do shuidheachadh an Cluainidh, Mar oighre flatha an dualchais Cumail suas dhuinn gach deagh fhasain; ’S do shàr-bhaintighearna ri d’ ghualinn, Gu h-àillidh, fìnealta, suairce, Baindidh, banail, dèarr-làn, uailse ’Cur fàilt’ le piob mhòir a’s àrd nuallan, Air sluagh aig a’ chaisteal. Mar aiteal nan ròs à gruaidhean, Deud mar shneachd ’am beul na stuaime, ’S gile tuar na snuagh na cailee, ’S i ’shiol nan uaislean o’n taobh-tuath oirnn, ’S tric a bhuannaich air luchd chasag. [TD 13] [Taobh-duilleig 5 san leabhar fhèin] ’Se dh’fhag cliù Og-Thighearna Chluainidh ’Ga sheinn ’sna glinn so shuas le aiteas, E dh’fhògradh, chaorach agus bhuachaillean Thar Dhruim-uachdair chun na machrach. Tha Beinn-èubhlair nan cèir-coireacha-fichead Làn misnich agus àbhachd, ’Si ràdh, o’n rinneadh frith dhi rithist, Nach dìbir sithionn gu la bhràth i. Tha Beinn-éibhinn ’s Beinn-a-chlachair Làn aiteis agus sòlais, ’Guidh buaidh ’us beannachd do’n ghaisgeach Thug air ais dhoibh a’ ghreigh crochdach. Chòmhdach an creachainn Mar a cleachd iad ’nan òige; Tha maraon subhach Coire-chip ’us Coire-’n-umhair, Far an tric a rinn do làmhsa puthar Air an dearg-ghriegh’s iad ’nan siubhal, Bu bhoidheach iad ri taobh struthain, Sìnte, reubte, ’s an creuchdan a’ sruthadh. Cha’n ’eil iarla no diùe san rioghachd Nach ’eil toileach tigh’nn do’n tìr so Dh’fhaighinn spòrs uait anns na frìthean Tha Ban-Righ Bhictoria, D’an d’thug thu còmhnuidh taobh Loch-lagain, Ag ràdh, nach dìbir i ri ’beò thu, Chionn a’ chròchd-griegh bhi fo d’ fhasgdh. Gach fear nach òl le aoibhneas, Deoch-slàinte cheannaird uasail urramaich na féile. Nior robh mac no nion aig a chéile, No e féin ’an éididh gaisgich! Bi’dh mi nise co-dhùnadh mo chrònain, ’Guidhe sonas agus sòlas, Bhi r’a bheò, an tìr nam Badan, Do shàr mhac-oighre chinnidh fhòghinnt’, Leis an robh mi ’n riogh’chd Mhoroco, ’Sa thug buaidh air slaugh an iompaire mhoir sin, Mu’n d’fhuair i ceart dol ann an ordugh, Air beanntainnibh mòra Atlais. [TD 14] [Taobh-duilleig 6 san leabhar fhèin] Cumha le fear de Shaighdearaibh an Fhreiceadain Duibh, Air do ’n Cheannard Uusal, Tighearna Chluainidh, Ceann-cinnidh Chlann-Chatain, an Reiseamaid fhàgail ann am Malta, ’s an Iuchar, 1832. FONN—“Coire ’Cheathaich.” O! teannaibh dlùth orm, a shliochd nan stuchd-bheann, ’S gach cridhe rùnach do ’n dùchas gràdh, Gach Gàidheal uasal a mhothaich suairceas, Og-Thighearna Chluainn, a b’uaisle gnàths; O! teannaibh dlùth orm, tha m’aigne brùite, A’ caoidh an fhiùrain a dhùisg mo chràdh; O! deanaibh fòir orm, ’us tuiribh cò-lamh rium, An déis an òigeir a sheòl thar sàl. Bi’dh beachd gu bràth air an latha chràiteach, A sgar an sàr-laoch o ’chàirdibh dlùth, Ar misneach shearg i o’n dh’fhàg e’n armailt, Ar sgiath ’s ar targaid b’e ’n t-armair ùr; Dh’fhalbh bun ’us bràighe a’ chroinn a b’airde, Ar flùran sàr-mhaiseach tharr ’san ùir; Gach cridhe Gàidheil tha ’n diugh fo phràmhan, ’S cha chridhe nàisionnach nach dean tùrs’. Cò nach tùrsadh an ceannard uiseil, An diugh ’chuir cùl ruinn a nunn thar chuan? Am flath a’s càirdeile ’tha air Ghàeltachd, A’s fialaidh’, blàithe, ’s a’s àillidh tuar; Fear-fòirair truaghain, le sporan fuasgailt’, Ri sgeul na truaighe a dh’aomas cluas, ’S a ni, gu faoilidh, air bochdaibh faochadh, Le biadh ’s le aodach, du caomhail luath. Tha mùirn ’us uaisle an Aros Chluainidh, Cha ’n fhaicear gruaman mu ’n cuairt d’a mhùr, Ach féil ’us aoighealachd ann gach aon là, Is maoin ’ga sgaoileadh le faoilt’ as ùr, Tha cridhe ’n uasail ’s a dhorsan fuasgailt A réir an dual chais ’bu dual ’s bu dù;— ’S mo ghuidhe féin duit, a cheannaird chéutaich, Gach piseach éirigh leat rè do chùrs’. [TD 15] [Taobh-duilleig 7 san leabhar fhèin] Rann do ’n cheannard uasal sin, Corneal Radhal Domhnullach, Air da thighinn dachaidh as na h-Innsibh an Ear, agus mòran moith a dheanamh do bhochdaibh a dhùthcha. Deoch slàinte Choirneil Raonuill, ’S leinn is éibhinn e thigh’nn dachaidh, ’N déigh a thuruis thall thar chuan, Far ’n do bhuannaich e gach baiteal. Leum is taitneach e r’a innseadh, ’S a bhi ’ga leughadh le fìrinn, Anns gach gàsaid ’san rioghachd, Thu bhi ’d ridire tìre, Le ordugh na Ban-Righ; Làmh bhuannachd gach cìs thu, Ri uchd cruadail gu dìleas, ’N uair a thairngeadh gu strì leat bragàd. Cha ’n ioghnadh leinn thu bhi buadhar, ’N uair nochdar claidhe gun truaill leat, Air thoiseach do shluaigh, ’S a liuthad sruth uaibhreach A tha dìreadh mu d’ ghuaillibh, Fuil righ agus uaislean, A stoc Chloinn-Dòmhnuill a’ chruadail, O Gharbhath nan stuadhan, Far an d’rugadh ’s an d’fhuair thu d’dheadh àrach; Cas a shiughal nam fuar-bheann, Le do ghunna mar bu dualchas, ’S tu nàmhaid an ruadh-bhuic, Choilich-dhuibh anns an dùbhradh, ’S eilid bhinneach nam fuaran; ’S tric a leag thu ’n a luathas Damh aigeantach uallach na cràice. Cha ’n fhac’ mise le m’ leirsinn, Eadar Raineach is Sléite, Srath-Tà is Srath h-`Eirionn, Is Srath-Oisean nan réidhlean, Mac Gàidheil a’s ceutaich’ Na ’n Cornailear euchdach. Cha ’n ioghnadh leam féin sud, ’S thu cho càirdeach do ’n treun-fhear, O Cheapach nam peuran, Mac an fhir leis an éireadh na Bràigheich. [TD 16] [Taobh-duilleig 8 san leabhar fhèin] Bidh mi nis ag òl mo dhrama, A’ guidheadh sonas, sòlas, is saoghal fada, Do shàr-mhac oighre an deagh athar, Nach do thionndaidh ’chulaobh riamh Ri ’nàmhaid no ri a charaid. Deoch-slàintean Aoin Cheudna. O! teannaibh dlù orm, a shliochd nan stùc-bheann, Is deannaibh umhlachd le sunnd is gradh, A dh’ òl deoch-slàinnte a’ Choirneil mhuirneich, A choisinn cliù air tùs gach batail— A dhearbh, là Bhaterloo, an Reisimid an diùic, Thu bhi dh’ fhuil rioghail nan stùc-bheann, Nach do thionndaidh riamh le gealtachd. ’S e thusa chuir crioch le rian ’S na Innseachan shios, air gach ath-sith, A dh’ fhàg Ban-Righ a’ chrùin cho muirneach mu do phearsa, ’S gu ’n d’rinn i Ridire claidhe dhiot, Le mòr dhùrachd, an lathair Iarlachan ’s Dhiùcan, Là na bliadhna uir a chaidh seachad. ’S lionmhor bochd a tha ri urnuigh Gu dlùth as do leth-sa, Eadar tùir-cuimhne an Diùc, Caisteal-dùlnidh, ’sa Cheapach, Gu ’n glèidhteadh thu gun chiùradh. Armair mhuirnich nam baiteal, ’S ’n àm tighinn do ’n chadal as nach dùisg thu, D’ anam a dhi air a stiùreadh Gu Righ nan dùl anns na flaitheas. Tha tuath-chearna do dhùthcha— Luchd nam boineid dù-ghorm ’s nam breachdan— Guidheadh beannachd dhuit le deadh dhùrachd, ’S ag ràdh, nach di-chuimhnich iad ni ’s mù, Do chluith iomain air srath do dhùthcha, Gus an càirear iad san ùir nan luidhe.