[TD 1] MARBHRANN DO SHEORAS FACONER MACCOINICH, Oighre Allan Triath Chlann Choinich, agus Iarla Chintaile, a chaochal beatha an t-saoghal so air 26 don aon mhios deug 1841. LE UILLEAM ALISON Air Fonn—“Iarram na truaigh Tha mheur a bairde do’n Chabar An diuth a ghearadh dheth bonn, Their mi sin mu Fhear Allan, Cho luath ’sa chaidh ’n annal a chom, Ceann feadhna Chlann Choinich, ’S mor iundran anis anns an fhonn, Ann a measg chlann nan daoine, ’S teirg a leithid ri fhaotin ach gann. Sann san ’n t-sheipal an Allan Tha ’n duine uasail gha ’m banas a cheilg ’Se nach fulaigadh i lamh ris, ’Nuair a bheiradh e stràc dhi le feirg, ’Sann bha thlachd anns an fhirin, ’S maith a thigadh dha d-innsa gun sgeilm, Thug e speis dha’n Onnar, Ged bha ’n saoghal an gon da bha searbh. [TD 2] Se nar call a tha soillar Seoras Falconer Maccoinich bhi bhuain, Iarla chliutach Chintaile, E bhi diuth air a charramh sa’n uaigh, Am fear a chumadh ruin ceartas, Ris a bhochd ’s ris a bheartach cho luath, Cha robh speis aig do phearsa, O’n bha shuil ris gheata thu shuas. Cha’n-eil a haon dhe ‘n an fhinadh. Nach bu choir dhoibh bhi silleadh nan deur On a dhalbh an Ceann Cinnidh, Duine Uasal bha measal is treum, Ged bha e eotram na oige, Thug an aois e gu stolladh is ceil Is anuadhachadh inntin, Gu bhi giaridh gu Rioghachd mhic Dhe. Si tha bronach a bhaintighearn, ’S gach aon a tha ’n daimh dhi gu leir, Bean a‘n Uird is Bean Chiarnaig, ‘S na bheil ac a luchd riaghluidh le cheil, Eadar tuagh chearn is iochdran, Muintir bhochd is lucud fiachan ‘s diol deirc, Tha gach aon diu fo mhullad, Gun do chaill iad an Cuiridh bha treun. Cha neil sin na mhor ioghnadh, A Bhaintighearna chaomh bhi fo bhron, Steirc a leithid ri fhaotin, Cha’ neil an airimh ach caol san Rhineorp. Duine foghaintach fioghlan, Thar moran an sperid ‘s an treoir, Nuar a gheiradh an ’n fhearg air Be mu thruaigh ’mfear a gfhairadh a dhorn Bard chean ard air Cuirt e, ’Nuar bhiodh mòd aig luchd duch’ ri seach ’Nuar bhiodh cuisin ro chruaidh ann, Air gach aon de h-uaislean na shachd. [TD 3] Allangrange, what think you, sir? Cha’neil sinn ga thuigsin gu ceart, Theiradh ese gu cairdel, I well understand the whole art. Bhe e coimhnal ri bochda, ’Se nach deanamh an gortach le màl, Cha neil a h-aon diu aig osnich, Ach cho luath san ’n lot le a bhas, Sud am buille bha cruaidh dhoibh, Bhi ga chuir anns an uaigh ann’s an àit, Am bheil Athair sa Sheanathair ’N tionad adh laic tha leantuin an àl. Ged do shiubhlin na Duchans, Bho Lochnis sa bhi tiunda mun cuairt Gus an ruigin na Fhearradh, Is tigh Ian Ghroat ann an Gallamh mo thuath, ’Se mo bhairal nach cluininn, H-aon eile cho chionalt ri tuath, Gha ’m beil beanachd na ’m bochda, Gu bhi leantuin ri chorp ann’s an uaigh. Se gach aon diu bhios eibhnach Nuar a thig a mhac oighre gu aois, Gu bhi riaghladh na h-oighrachd, Gach Title ’s gach stoile maraon; Sann an sin bhios an aighir, Teine eibhnis ga chaithimh ri gaoth, Gu ’m bi cuirm anns an tighibh, Deocha slainte lamh chraithe is gaol. Se mo dhurachd ’s le cairdis A chlann og a bhi fas a dol suas, ’Sa mhac oighre bhi laidir, Mar na daoine o’n taninig e nuas, Ann am meas ‘s an am biuthas, Cummal teist agus cliu an ’n taobh tuath, Sa mheur a thuit dheth na Chiabar, Gu ‘m bi te cheart cho tappi dol suas.