[TD 1] CEITHIR SEARMOINAN. LEIS ’N URRAMACH DR. DEWAR, GLASCO. SEARMONAICHIBH AN SOISGEUL DO GACH DUIL.—MARC. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART, 64 SOUTH BRIDGE. Price Fourpence [TD 2] [Blank] [TD 3] SEARMOIN, AIRSON SABAID COMUNACHAIDH. 1 PEAD. iii. 18. “Oir dh’ fhuiling Criosd fein aon uair arson peacaidh, am firean, arson nan neo-fhirean, chum gu’n d’ thugadh e sinne gu Dia.” THA fulangais Chriosd na aobhar iongantais do ainglibh, agus na aobhar molaidh do dhaoine. Co ’n dùile naomh is urrainn smuaineachadh air an doimhneachd do-rannsachaidh so, gun bhi air an lionadh le gràdh, aoibhneas, agus taingealachd. Eadhon na h-aingil, tha cuairteacha Mòrachd nan neamha, ge nach eil feum aca air Slanuigh ear, ’nuair a tha iad a’ beachdachadh air fulangais Chriosd, agus a ghloir a tha gu’n leantuinn, tha iad le mor aoibhneas aig éigheach, “Gloir do Dhia anns na ionadaibh is àirde; air talamh sìth, agus deagh-ghean do chlann nan daoine!” Tha na fàidhean mar an ceudna, a chunnaic latha Chriosd am fad as, ag amharc air an aghaidh chum an t-seallaidh mhoir so, le gairdeachas a dh’ fheudas a bhi air a mhothachadh, ach nach gabh cuir an céill. Ann am meud an ioghnaidh, agus an aiteis, tha iad a’ gairm air a chruthachadh Iehobhah a chliuthachadh maille riu ran, arson saibhreas a ghràis. “Seinnibh O neamha; oir thug Iehobhah gu crìch e; togaibh iolach, ionadaibh iochdrach na talamhuinn; brisibh amach a chum seinn, O shleibhtean, thusa dhoire, agus gach craobh at- [TD 4] ’ann: oir rinn Iehobhah Iacob a shaoradh, agus ghlòraich e e fein ann an Israeil.” Ach an uair a philleas sinn a thaoibh a dh’ fhaicinn an t-seallaidh mhoir so, nach eiginn duinn amharc air peacadh mar ni ro-ghràineil, a thug aon-Mhac Dhe chum duslach a bhàis. Cò ’s urradh an t-Uan naomha fhaicinn fo dhimeas, is fo tharcuis dhaoine, air gach doigh cleachdte ri bròn, ag iomchar air ’n àmhghar, agus a giulan ar doilgheis? Cò ’s urradh fhaicinn ag osnaich le iarguin, agus a bàsachadh fo uallach ar cionta, agus an deigh so buanachadh ann an gràdh do pheacadh? ’Bheil e comasach gu ’m faic am peacach is cruaidh-chridhich, a tha tarruing anail na beatha, gràdh co mòr, co ionmholta air a thaisbeana, gun mhothachadh, gun aithreachas, gun éigheach airson dioghaltas siorruidh air an ni mhalluichte sin, a dh’ fhàisg cridhe an Ti a thainig a chum ar sàbhaladh? Mo thruaigh! tha truailleachd a chinne-daoine co mòr, is gu bheil mìltean a cluinntinn uime le caoin-shuarachas. Ach oh! cia mor an t-eadar-dhealachadh tha eadar iadsan aig am bheil an sùilean fosgailte a dh’ fhaicinn ann am fulangais Chriosd gràinealachd a pheacaidh. ’N uair a “dh’a mhairceas iad airsan a lot iad, tha iad ri bròn air a shon, mar neach ri bròn arson aon-ghin mhic.” An àite “buanachadh ann am peacadh, chum gu’m biodh gràs air a mheudachadh,” tha iad “a’ ceusadh na feòla maille r’a h-ana-miannaibh.” ’Se’n uallach is truime am peacadh, ’se so tha toirt orra gu tric osna gheur a tharruing, agus fadal a ghabhail arson an ionaid sin, anns [TD 5] am bi iad naomha mar ata Dia naomha. Nach b’e so a thug air Pol a ràdh, “Och is duine truagh mi! cò shaoras mi o chorp a bhais so?” Agus nach ’eil cainnt an duine naomh so ann an àit eile, a’ co-fhreagairt ri fiosrachadh gach neach do chloinn an Tighearna? Ann an labhairt nis faide o bhriathraibh air teagaisg bheir sinn fainear. Na crìocha glormhor a bha aig Criosd fa chomhair ’na fhulangais. Tha gach crìoch a bhuineas do Dhia cosmhuil ris fein. Tha iad air an dealbhadh le gliocas neo-mhearachdach, agus air an cuir an gniomh le laimh ata uile-chumhachdach. Ged ann san t-saoghal ata làthair, tha bhreitheanais gu minic nan doimhneachd mhòr; ged a “tha neoil agus dorchadas mu thimchioll,” tha dearbh chinnte againn gu’r “àite còmhnuidh d’a chathair-righ, fireantachd, agus ceart-bhreitheanais.” Ach na uile oibribh cha ’n ’eil sinn a faicinn ’an so ach mar dhorchadas, an coimeas ris an t-soilleireachd leis am bheil e air a thaisbeanadh ann an slainte a chinne-daoine. Ann an so, tha solus a dealradh air ar sùilean, ni’s soilleire no solus na gréine a’ dealradh na làn neart. Ann an so “tha na nithe a bha folaichte an rùn diomhair Iehobhah “o thoiseach an t-saoghail, air an deanamh aithnichte do uachdranaibh, agus do chumhachdaibh, ann an ionadaibh, neamhaidh, eadhon gliocas eag-samhuil Dhe.” Ann an so tha sinn a faicinn eadar-ghuidhe air a dheanamh arson cionta mhìltean, agus sluagh mòr nach gabh àireamh air an glanadh o’n uile ea-ceartaibh;—tha sinn a faicinn an nàmhuid is mò do Dhia, gu [TD 6] toileach a striochda da reachd, an ciontach neo-ghlan air a dheanamh naomha, seadh, eadhon an leomhann air a thionndadh gu bhi mar uan. O cia do-rannsachaidh saibhreas, agus cumhachd, a ghràis sin, a tha sàbhaladh iad so uile o dhoimhneachd ifrinn, agus ’gan taisbeanadh an làthair Dhe, gun smal, agus gun lochd! ’Se so t-obair-sa, O Iebobhah, agus ata e iongantach ’nar sùilibh-ne! ’Se so toradh do phéin-sa, do ghoith, agus do bhàis, O Uan Dhe! Ach gu bhi nis mionaidich, I. Tha sinn a’ toirt fainear gu’n d’ fhuiling Criosd, a thaisbeana gràdh, agus tròcair Dhe do ’n t-saoghal. Ged nach ’eil firinn sam bith nis soilleire air a chuir an céill ann am focal an Tighearna na so, gidheadh, is firinn e, nach faigheamaidne amach gu bràth, gu ’m biodh Dia tròcairach do cheannarcaich; ann an àite so, dh’ aidicheadh reasun gu’m biodh e ceart, ann ar sgaradh gu siorruidh o làthaireachd. Ach le teachd Iosa Criosd, “dh’ fhoillsicheadh caoimhneas, agus gràdh Dhe ar Slanui’ear a thaobh dhaoine,” agus thug e fein an dearbhadh is laidire air so, ’na fhulangais gu ruig a bhàs. Cò eile bha co comasach air so a thaisbeana do shaoghal aingidh? Cò b’urradh a ràdh gu ’m biodh peacaich do’n chinne-daoine air an sàbhaladh, an uair “nach do chaomhainn Dia na h-aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sios do ifrinn, thug e thairis iad a chum a bhi air an coimhead ann slabhraidhibh dorchadais, fa chomhair breitheanais;” Cò b’urradh so a ràdh, ach easan a ghabh còmhnuidh ann an uchd an Athar? Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò bu chomhairleach dha? Oir cò an duine d’an aithne nithe duine [TD 7] ach do spiorad an duine a ta ann? mar sin, ni bheil fios aig neach sam bith air nithibh Dhe, ach aig Spiorad Dhe; Aon-ghin Mhic ata ann an uchd an Athar, dh’ fhoillsich esan dhuinn e. Ach ge do dh’ innis na fàidhean, agus ge do chuir an Slanui’ear gu soilleir an céill, gu ’n do “ghràdhaich Dia an saoghal co mòr, is gu’n d’ thug e aon-ghin Mhic fein, chum ’s ge b’e neach a chreideas ann, nach rachadh a sgrios, ach gu’m biodh a bheatha shiorruidh aige,” gidheadh, ma tha e ’n comas, tha so nis cumhachdaich air a dhearbhadh ann am fulanguis agus bàs Chriosd. ’Sann an so tha sinn a faicinn Iehobhah, an àite a Mhac ionmhuinn a chaomhnadh, ’ga thoirt thairis a chum an iarguin is mò fhulang arson pheacach. “Thoilich Iehobhah a bhruthadh,—Thug e fainear gu’n tuiteadh airsan ar ’n ea-ceartibh gu h-iomlan,”—Thug e “thairis e do lamhaibh aingidh, a cheus agus a mharbh e,” An urradh dearbhadh nis mo na so bhi air a thoirt gu’r “gràdh Dia;”—nach eil toil sam bith aige ann am bàs an neach “a bhàsaicheas, ach gu’r roghnaich leis gu’m pilleadh e, agus gu’m biodh e beo?” O cia mor an doille tha air sùile na muinntir sin, nach ’eil a faicinn ann an so, “leud, agus fad, agus doimhne, agus airde, a ghràidh sin a chaidh thar gach uile eolas!” Oir ann an so, gu h-àraidh, “dh’ fhoillsicheadh gràdh Dhe dhuinne, do bhri gu’n do chuir Dia aon-ghin Mhic do’n t-saoghal, chum gu’m bitheamaid-ne beo tridsan. Ann an so ata gràdh; Cha’n e gu ’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gu’n do gràdhaich esan sinne; agus gu ’n do chuir e a Mhac fein chum bhi ’na iobairt réitich arson ar peacaidhne.” [TD 8] II. Ach a rìs: Dh’ fhuiling Criosd chum eadar-ghuidhe a dheanamh arson pheacach. Ciod e is feumail dhuinn a bhi againn na fios cionnas a theid sinn as o fheirg an Tighearna, agus a mhealas sinn a chaoimhneas gràidh? Am measg nan ceud cheistean a thig o neach a tha faicinn a staid thruaillidh agus chunnartach, ’se, “Cia leis a thig mi an làthair an Tighearna? agus cionnas a striochdas mi mi fein an làthair an Dia is àirde. Tha’n dìdein bréige a bha toirt fois roimhe, a nis air a sguabadh air falbh. Tha’n inntinn fo oillt do-labhairt a cluinntinn tairneanach Shinai, agus a beachdachadh air mòrachd, agus naomhachd, an Dia ris am bheil a ghnothach. ’Se guth tròcair o Chalbhari amhàin, sgapas an t-eagal so, agus a bheir seachad suaimhneas do ’n anam. Gus am bi Criosd air fhaicinn na fhulangais, gus am faic an ciontach ata fo throm uallach, gu ’n “d’ rinn Dia esan da nach b’ aithne peacadh, na iobairt pheacaidh air ar soin-ne, chum gum bitheamaid air ar deanamh ’n ar fireantachd Dhe ann-san;” gu ruig an t-àm so, cha bhi sìth mhairionnach air a mealtuinn. Is mor an t-aobhar cliu a th’aig a mhuinntir ata mothachadh am feum air eadar-ghuidh Iosa, nach ’eil teagasg sam bith ni’s soilleire air a thaisbeanadh ann am focal De. Tha Criosd an sin gu tric air a chumail amach mar an iobairt réitich arson peacaidh a phobuill. Tha e mar an ceudna air a chomharacha mar an Ti sin ann san robh iobairtean, agus deas-ghnàthan Mhaois, a bha nan sgàile air nithe maith ri teachd, agus a bha samhlachadh eadar-ghuidhe arson peacaidh, air an làn choilionadh. Cha robh e comasach gu ’n deanadh na iobairtean sin, a bha air an ofrial o bhliadhna [TD 9] gu bliadhna a ghna a chaoidh, an luchd aoraidh foirfe: “oir ni bheil e ’n comas gu ’n tugadh fuil tharbh, agus ghabhar, peacaidh air falbh. Ach le aon iobairt rinn Criosd a chaoidh foirfe iadsan ata air an naomhacha.” Ceart mar a bha na iobairtean fo ’n lagh freagarach chum gach crìoch airson an deachaidh an cuir air chois; mar sin, tha ’n iobairt a thug Criosd suas, uile chomasach air gach rùn a choi-lionadh airson an deachaidh ìobradh. “Oir ma ni fuil tharbh, agus ghabhar, agus luaithre aighe, air a crathadh air an droing a bha neo-ghlan, an naomhachadh chum glanadh na feola; cia mòr is mò ni fuil Chriosd, a dh’ ofrail e fein tre ’n Spiorad shiorruidh gun lochd do Dhia, bhur coguis-se ghlanadh o oibribh marbh, chum seirbhis a dheanamh do ’n Dia bheo?” Ghiulain Criosd air falbh gu siorruidh cionta a phobuill, le làn dioladh thoirt do cheartas an Uile-chumhachdaich, agus leis an lagh a chaidh bhriseadh a choi-lionadh. Tha a phairt so da obair air a chuir an céill leis na fàidhibh, anns an doigh is soilleire. “Gu cinnteach dh’ iomaichear e ar doilgheas: gidheadh, mheas sinne e air a bhualadh le Dia, agus air a throm-smachdachadh. Gidheadh, bha e air a leonadh arson ar n-ea-ceartaibh, bha e air a bhruthadh arson ar n-aingidheachd; bha smachdachadh air sìth air a leigeal airsan; agus le a bhuillibh tha sinne air ar slànuchadh. Chaidh sinn uile, mar chaoraich aia seacharan; phill sinn gach aon againn gu shlighe fein: agus thug Iehobhah fainear gu ’n tuiteadh airsan ar n-aingidheachd gu h-iomlan. Tha e air a shàruchadh, agus tha e air a throm-smachdachadh, gidheadh, cha d’ fhosgail e a bheul; tha e air a thoirt mar uan a chum marbhaidh, agus mar chaor am fianais an luchd [TD 10] lomaidh na tosd, mar sin cha d’ fhosgail e a bheul. Bha e air a thoirt o phriosun, agus o bhreitheanas; agus cò a chuireas an céil a ghinealach? Oir bha e air ghearradh as a tìr nam beo: arson cionta mo phobuill-sa bha e air a bhualadh.” Tha air innse dhuinn mar an ceudna san Tiomnadh Nuadh, gu ’n “d’ thug e a bheatha fein mar éiric arson mhòrain.” Thubhairt e fein, “Is mis’ am buachaille maith, leagaidh ’m buachaille maith anam sios arson nan caorach.” Tha na thubhairt e mar an ceudna, ’nuair a chuir e air chois òrdugh suipeir an Tighearna, gu soilleir a filleadh a steach ann, gu ’n d’ thug e suas e fein mar iobairt arson peacaidh. “Agus ag itheadh dhoibh, ghlac Iosa aran, agus bheannuich, agus bhris e, agus thug e do na deisciobluibh e, agus thubhairt e, gabhaibh, ithibh; ’se so mo chorpsa: agus air gabhail a chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhoibhsan e, ag radh, Oluibh uile dheth: oir is i so m’ fhuilse na Tiomnaidh Nuaidh, a dhòirtear arson mhorain, chum maitheanas peacaidh.—Shaor Criosd sinne o mhallachd an lagha, air dha bhi air a dheanamh na mhallachadh air arson. Neach a ghiulain ar peacaidh, e fein, ann a chorp fein, air a chrann, chum air dhuinn bhi marbh do pheacadh, gu ’m bitheamaid beo do fhireantachd.” Gu’n robh am feum bu mhò air an eadar-ghuidhe so a rinn Criosd, “aon uair arson nau uile,” cha chuir neach sam bith an amharus, a tha creidsinn na tha an Scriobtuir a teagasg mu staid thruaillidh an duine, no tha mothachadh cia neo-chomasach ’s a ta e, air ni sam bith a dheanamh, chum e fein a shàbhaladh. Nach robh so [TD 11] feumail a thaisbeanadh fireantachd agus tinnead an lagha, co maith ri tròcair, agus caomhalachd a Bhreitheamh? Nach e so a cheart reasun a tha air a thoirt seachad san Scriobtuir arson so? “Chum fireantachd Dhe fhoillseachadh, le maitheanas nam peacaidh chaidh seachad, tre fhad fhulangas De.” C’arson ata iadsan a tha air an sàbhaladh trid an eadar-ghuidhe so, gun sgur a moladh a ghràis a tha air fhoillseachadh ann, ach a chionn, gu bheil iad a faicinn, cha ’n e mhàin a ghloir ata ann fein, ach an fheum do-labhairt a tha aca-san air? As eugmhais, c’àite, ah! c’àite, am b’eiginn doibh a bhi air an tilgeadh? Chum truaigh, an-dochas, agus bàs:—“Gu iomall dorchadais, anns am bheil gul, agus gioscan fhiacall.” Mar nach b’urradh maitheanas a bhi air a thoirt seachad as eugmhais dòrta fola, tha e ceart co cinnteach, nach robh e’n comas gun tugadh fuil tharbh, agus ghabhar, peacaidh air falbh. Ann an aon fhacal, tha buaidhean Iehobhah, agus truaighe an duine, tha’n Scriobtuir, agus reasun ag iarruidh, gu’m biodh eadar-ghuidhe air a dheanamh airson peacaidh, mu’n robh e’n comas gu mealadh clann nan daoine caoimhneas gràidh an Tighearna. Ach am bheil an eadar-ghuidhe a rinn Iosa uile-iomlan a chum gach crìoch a fhreagairt a thaobh lagh agus ceartas; uile-iomlan a chum onoir an Ard Righ a sheasamh, agus a cheartas, agus a naomhachd, a thaisbeanadh ann am maitheanas peacaidh? Tha air gach doigh. Fhuair Criosd, le fhulangas gu ruig a bhàs, seilbh air gach cumhachd ann an Neamh, agus air talamh; agus a nis tha e air àrdachadh chum aithreachas, [TD 12] agus maitheanas peacaidh a thoirt seachad. Cho-oibrich gloir a phearsa, agus mòrachd, agus naomhachd a nàduir, a chum éifeachd iomlan, agus shiorruidh a thoirt da iobairt. “Air an aobhar sin, cha’n eil a “nis, dìteadh sam bith do’n dream sin ata ann an Iosa Criosd; ata gluasad ni h-ann a reir na feola, ach a reir an Spioraid. Cò chuireas coire sam bith a leith daoine taghta Dhe? ’Se Dia ata fireanachadh: Cò a dhiteas? ’Se Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fos, a dh’ éirich a rìs, agus a ta air deis laimh Dhe, neach mar an ceudna a ta deanamh eadar-ghuidhe air arson-ne.” III. A ris: thaisbean Criosd le fhulangais air an doigh bu shoilleire is bu ghlormhoire naomhachd, agus ceartas Iehobhah. Gun amharus thaisbean an Tighearna gu minic na buaidhean sin roimhe so. “Cha do chaomhainn e na h-aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sios do ifrinn, thug e thairis iad chum bhi air an coimhead ann an slabhraidhibh dorchadais, fa chomhair breitheanais.” Bha ’n duine mar an ceudna an deigh dha peacachadh, air a thilgeadh a mach o làithreachd an Tighearna. Araon so tha’n talamh air a mhallachadh, agus air an aobhar sin, tha e air a chòmhdachadh le droighionn, agus drisean; tha gach aimhreite, ea-slainte, agus truaigh air a thoirt a steach a chum an t-saoghail; “tha ’n duine air a ghintin a chum àmhghar, mar a dhìreas na srada suas; tha Sodom agus Gomorrha air an sgrios le teine o neamh, agus air an cuir suas ’nam ball-sampuill, a’ fulang dioghaltais teine shiorruidh.” Tha iad sin uile a’ dearbhadh gu h-uamhasach am fuath neo-chrioch- [TD 13] nach a tha aig Dia do’n pheacadh. Tha eadhon iad sin, a’ cuir an céill le fuaim ni’s àirde agus ni’s eagallaich na toirm na trompaid air Sliabh Shinai, nach urrainn do “Dhia amharc air peacadh,” nach “seas an t-amadan na làthair,” agus gu’r “fuath leis uile luchd deanamh na h-ea-corach.” Gidheadh, tha na comharain sin, uamhasach mar ata iad, mar gu ’m b’ann a’ dol as an t-sealladh; ’n uair a bheachdaicheas sinn air an dioghaltas shiorruidh, ata air a ghabhail air peacadh ann an ionad na truaighe. “Olaidh” iadsan “do fhion fheirg Dhe a ta air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan fheirge-san, agus bithidh iad air am pianadh le teine, agus pronnusc: agus bithidh deatach am pein-san ag éirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus ni’m bheil aca fois à là no dh’ oidhche.” Ach ge do bhiodh slochd an dubh-aigein fosgailte do’r sealladh, agus leir-sgrios e fein na uile uamhas air a chuir fa chomhair ar sùl, cha b’ urradh dhuinn fhaicinn, eadhon an sin, foillseachadh co soilleir air ceartas De is ata e air a thaisbeanadh ann am fulangais Chriosd. Ged’ bhiodh clann nan daoine gu h-iomlan air an toirt thairis a chum sgrios, maille ris gach aingeal a tha sealbheachadh na neamha, seadh, ged’ a bhiodh e comasach, gu ’n séideadh Dia osag a bhàis air feadh a chruinne-che gu h-iomlan, cha taisbeanadh so uile air seol co uamhasach, agus co eiseimpleireach, naomhachd, agus ceartas Iehobhah, ’sa ’ta na buaidhean sin a’ dealradh ann am bàs a Mhic. Meud fulangais Chriosd cha ghabh gu bràth cuir an céill. Meud a phein ro-iarguineach, cha ’n urradh eadhon do’n mhuinntir a tha fulang [TD 14] dioghaltais teine shiorruidh a làn thuigsinn. Feuch! Esan anns nach eil peacadh, “a’ giulan air ’n àmhghar, agus ag iomchar ar bròn!” Tha Esan a bha na dhealradh air gloir an Athar, agus na fhior iomhaigh air a phearsadh, ag iobradh suas ùrnuighean, agus athchuingibh, maille ri ard éighich, agus deuraibh; tha e gul, agus ag osnaich, tha e dòrtadh amach falluis, agus a creathnachadh, tha e taomadh amach fuil a chridhe, agus a bàsachadh. Eisd! tha Iehobhah ’g òrduchadh do chlaidheamh a cheartais teachd amach o thruaill. “Dùisg O chlaidheimh an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine is coi-ionann domh, deir Iehobhah nan sluagh: buail am buachaill!” Tha na tha leantuinn an òrdugh so uamhasach! Tha Tighearna na glòire air a chomhdachadh le nàire! Tha Breitheamh nan uile air a dhìte gu fulang! Tha Prionnsa na beatha toirt suas an spioraid! Tha gach cofhurtachd co mòr air aicheunadh dha, is gu bheil e’g éigheach, “Mo Dhia, Mo Dhia, c’arson a thréig thu mi?” ’Nuair a chi sinn tràill air a bhualadh, their sinn, gu bheil coire air a dheanamh, ged nach eil e math dh’fhaoide ro-mhòr. Ach ma ni Athair ata làn do chaomhalachd aon-ghin mhic a smachdachadh gu garg, tha sinn cinnteach gu ’n deach a bhrosnachadh chum so le cionta ro throm. Gidheadh, Feuch! Esan nach “leon gu toileach,” agus nach claoidh “clann nan daoine;” Esan aig am bheil tlachd ann an sonas, agus ni h-ann an truaighe a sheirbhisich, cha’n eil Esan a’ caomhnadh aon-ghin Mhic, a Mhac nach do pheacaich riamh na aghaidh; a Mhac anns an [TD 15] robh e làn toilichte. Cha robh ach cionta muinntir eile air a chuir as leith Iosa, gidheadh ghabh Iehobhah tlachd ann a bhruthadh, agus na anam a dheanamh na iobairt arson peacaidh. Innis domh, am b’urradh do’n Uile chumhachdach a chorruich an aghaidh peacaidh, agus a rùn neo-chaochluideach gu dioghaltas a dheanamh air, a thaisbeanadh air doigh ni bu shoilleire? Nam b’ urradh fuil tharbh, agus ghabhar, daoine a ghlanadh o pheacadh, na nam b’ urradh maitheanas a bhi air a thoirt seachad, a reir ceartas Iehobhah, air seol ni bu shaoireadh, cha’n iarradh e dìoladh ann am bàs aon-ghin Mhic. Gidheadh, cha d’ thug an Tighearna thairis bualadh an urrais gus an dubhairt ceartas, is leoir. “O doimhne saibhreis araon gliocas agus eolas De! Cia do rannsachaidh a bhreitheanais, agus do-lorgaich a shlighibh!” IV. Dh’fhuiling Criosd a dh’ oibreachadh ’mach slainte d’a phobull. B’e so a chrioch airson an do ghabh e air fein nàdur na daonnachd. “Mheud gu bheil aig a chloinn co-pairt do fheoil agus do fhuil, ghabh esan fein mar an ceudna roinn diubh sin: chum trid a bhàis, gu ’n claoidheadh e esan aig an robh cumhachd a bhàis, ’se sin, an diabhol; agus gu’n saoradh e iadsan, a bha trid eagal a bhàis, rè am beatha uile fo dhaorsa.” “Thug” Iosa “e fein air arson, chum gu ’n saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gu ’n glanadh e dha fein pobull sonraichte eudmhor mu dheadh oibribh.” Tha ’n fhirinn so air a cur an ceill mar an ceudna air an doigh is soilleire leis an Abstol Phol an àite eile: “Ghràdhaich Criosd fos an eaglais, agus thug e e fein air a son; chum gun naomhaicheadh agus [TD 16] gu ’n glanadh e i le ionnlad an uisge trid an fhocail, chum gu ’n cuireadh e ’na làthair fein i ’na h-eaglais ghlormhoir, gun smal gun phreasadh, no ni air bith d’an leithidibh sin; ach chum gu ’m biodh i naomha, agus neo-lochdach.” Làn-chriochnaich Iosa an obair ghlormhoir sa. “Oir le aon iobairt rinn e chaoidh foirfe iadsan a ta air an naomhachadh.” Le fhulangais fhuair e maitheanas peacaidh d’a phobull. “Easan dh’ àrdaich Dia le dheas-laimh ’na Phrionnsa, agus ’na Shlanui’ear, a thoirt aithreachais peacaidh do Israel.” Tha easan ’na thròcair a dòirteadh a nuas beannachdan a shlainte, air na peacaich is mò, is gràinealadh, agus is neo-chomasaich. Cha ’n urrainn cainnt so a chuir an céill ni’s fearr na briatharan an Tighearna leis an Fhàidh Isaiah. “Ge do robh ’ur peacaidh mar an scarlaid, bithidh iad geal mar an sneachda, ge do robh iad mar chorcur, bithidh iad mar an olainn.” Biodh an cionta air an doigh is mò air antromachadh, biodh e àrd mar Neamh, agus dubh mar ifrinn, cò’s urrainn easonoir co mòr a chuir air fuil an Uain is aon uair smuaineachadh, gu bheil e neo-chomasach gu ghlanadh air falbh? Tha fhulangas gu ruig a bhàs, uile chomasach a chum eadar-ghuidhe a dheanamh arson cionta, agus maitheanas fhaotainn arson gach neach do shliochd an duine. Thaisbean Dia gu soilleir gu bheil e làn-thoilichte annsan, agus ’n a obair, agus tha e nis a’ cuir an céill do gach neach ata creidsinn ann, “Is Mise, eadhon Mise, fein a dhubhas d’eaceairtean as, air mo sgàth fein, agus do lochdan cha chum mi air chuimhne.” Amen. [TD 17] SEARMOIN, ARSON FEASGAR LATHA COMUNACHAIDH. 2 COR. V. 15. “Fhuair e bàs, air son nan uile, chum iadsan ata beò, nach biodh iad as “so suas beò dhoibh fein, ach dha-san a dh’ fhuiling am bàs, agus a dh’ éirich a rìs.” THA sinn r’a thoirt fainear, gu bheil gach crioch a tha air a co-lionadh le bàs Chriosd, na bhrosnuchadh cumhachdach chum naomhachd iomlan agus shiorruidh. Tha so gu soilleir air a theagasg dhuinn o fhocal an Tighearna, agus o fhiosrachadh na h-Eagluis anns gach linn. Agus ge do thionnda daoine mi-dhiadhaidh anns gach àm gràs ar De-ne gu macnus, gidheadh, cha’n ann a chionn gu’n robh iad a creidsinn anns an t-soisgeul a thachair so, ach do bhrigh ’s gun robh iad nan naimhdean da nan cridhe. Cia lionmhor àireamh na muinntir sin san latha againne, a their, “a Thighearna, a Thighearna,” an uair nach dean iad na nithe tha easan ag àithneadh dhoibh! I. An do thaisbean Criosd le umhlachd gu ruig a bhàs gràdh neo-chriochnach an Athair do [TD 18] Shaoghal ciontach? An robh gràdh Dhe co mòr is gu ’n d’ thug e aon-Mhac thairis do’n bhàs air arson uile? An robh so air gach cor feumail a chum ar saoradh o sgrios siorruidh? Cionnas mata is urradh do’n chreideach buanachadh ann an gràdh do’n ni ata co gràineil ann an sùilibh a leithid so do Dhia? Buanachadh ann an ni a chosd do Iosa urrad fhulangais, agus chràidh, a thug bàs asteach do’n t saoghal, maille ris gach truaigh ata ’ga chòmhdachadh, agus ni mar an ceudna a bhios na aobhar bròin shiorruidh do mhiltibh? Nach eiginn do chreidimh anns na firinnibh sin, treorachadh chum féin-ghràineileachd, a chum fuath a thoirt do’n pheacadh le fuath iomlan? An déigh dhuinn fhaicinn ann am bàs Chriosd ar staid uamhasach, buailteach “do theine dian loisgeach, agus do lasraichibh siorruidh,” agus meud gràis an Tighearna ann a phobull a shàbhaladh, an urradh dhuinn ni’s faide gluasad air an t-slighe leathain a tha treorachadh chum bàis? Cha ’n urradh. Tha’n Creideach air a cheangal r’a dhleasnas le gràdh Chriosd, air a bheothachadh chum gach deagh obair, air a neartachadh gu bhi cruadalach, air a lionadh le taingealachd, agus air a ghiulan air aghaidh le gairdeachas ann an seirbhis a Thighearna. Tha sinn a’ faicinn an toradh so gu pailt anns an Abstol Phol. “Oir ata gràdh Chriosd,” deir e, “’gar co-éigneachach; air dhuinn breithneachadh mar so, ma fhuair a h aon bàs air son nan uile gu’n robh gach uile marbh, [TD 19] agus gu ’n d’ fhuair e bàs air son nan uile, chum iadsan ata beo, nach biodh iad as so suas beo dhoibh fein, ach dhasan a dh’ fhuiling am bàs air an son agus a dh’ éirich a rìs.”—A bheatha a ’ta mi nise a caitheamh san fheòil, caitheam i trid chreidimh Mhic Dhe, a ghràdhaich mi, agus a thug e fein air mo shon.” Tha e soilleir araon o reasun, agus o fhiosrachadh, gu’r e gràdh is cumhachdaiche a dh’ oibricheas air cridhe a chreid’ich. Oir cha’n’eil ni sam bith a cho-éignicheas an duine chum a dhleasnas ni’s luaithe, na taingealachd air son sochairean a chaidh fhaotainn. Ma tha iad sin air an gabhuil le gràdh, agus le mòr-mheas, ni gu cinnteach a tha mar so anns gach Creideach, cha seas ni sam bith roimhe: Ni e toileach na dleasnais is cruaidh a chuir an gniomh, seadh, dealachadh ris an ni is luachmhoir ata air a mhealtuin san t-saoghail so, mar dhearbhadh air gràdh do ’n t Slanui’ear. Bheir gràdh mar so buaidh air gach docair, agus triobluid; no tionndaidh e saothair, agus fulangais, gu bhi nan aobhar aoibhneis, agus taingealachd. Biodh ach onoir an t-Slanui’ear ann an cunnart, agus cha chuir an Creideach, a tha mothachadh na fiachan tha e fodha, crioch sam bith r’a shaothair, na r’a sheirbhis. ’S e cainnt a chridhe agus a bhile do ghnà, Ciod a dh’ iocas mi do ’n Tighearna arson a thiolacadh? Cionnas a thaisbeanas mi mo thaingealachd dha arson saibhreas a ghràis? ’Se glòir [TD 20] ainmsan a chuir air aghaidh, co dhiu ’s ann le beatha, no le bàs, mo shonas is àirde, agus mo ghlòir is mo. Cha b’ urrainn gu bràth uile thairneanach Shinai, cha b’ urradh gach uamhas ata ’n ifrinn, buaidh co-iomlan fhaotainn air mo chridhe cruaidh, agus a thoirt a chum umhlachd co mòr, ’sa rinn do ghràdhsa, O Iosa! ’Se so a cheangail mo chridhe ri d’ theisteis, agus ata toirt air mo chosan ruith gu dian ann a d’ sheirbhis. “Beannuich an Tighearna, O m’anam! agus beannuicheadh gach ni tha’n taobh stigh dhiom ainm naomha. Beannuich an Tighearna, O m’ anam! agus na di-chuimhnich uile thiolacaibh.” II. Tha fulangais Chriosd na bhrosnachadh cumhachdach a chum naomhachd, do bhrigh gu’n d’ rinn e le fhulangais agus a bhàs rèite ri Dia. C’àite is urrainn naomhachd an Tighearna bhi air a thaisbeanadh nis mò n’an so? No leud agus tinnead an lagha ni’s soilleire air fhoillseachadh? C’àite am faic sinn gràinealachd a pheacaidh air fhoillseachadh air seol ni’s uamhasaich? No c’àite am faic sinn nis soilleire an dioghaltas ata feitheamh air gach neach a bhuanaicheas ann? “Oir ma rinneadh na nithe so ris a chrann ùr, ciod a nithear ris a chrìonaich? Ma chaidh dioghaltas uamhasach a ghabhail air peacaich ann am pearsa aon Mhac Dhe, cia amaideach an ni smuaineachadh gu ’n d’ théid iadsan as a bhuanaicheas ann! Am bheil sinn ’ga fhaicinn an crochadh air crann, mar an iobairt air an robh [TD 21] feirg an Uile chumhachdaich air a dòrtadh? ’Sann a theagasg dhuinn cia olc, agus searbh an ni peacachadh an aghaidh an Tighearna. An d’ thug easan anam suas na iobairt réite, agus an d’ rinn e eadar-ghuidh airson pheacach le fhuil a dhòrtadh amach? Tha so a’ teagaisg dhuinne as eugmhais dòrtadh fola, nach robh maitheanas peacaidh r’a fhaghail. An do ghlaodh Iosa ’na chùradh geur, “Mo Dhia, Mo Dhia, carson a thréig thu mi?” Am bheil e air a thoirt a chum duslach a bhàis? Tha so a taisbeana dhuinn air toilteannas, agus ciod a b’ eiginn duinn fhulang gu siòrruidh, mar giulaineadh “easan air peacaidh na chorp fein air a chrann.” Ach os cionn nan uile nithe, nuair a bheir sinn fanear àrd-inbh an Ti a dh’ fhuiling, glòir a phearsa, agus naomhachd a nàduir, gu cinnteach cha’n urrainn duinn ni’s faide gràdh a thoirt do pheacadh; ach air an làimh eile, is eiginn duinn amharc air mar an ni sin ata Iehobhah a’ fuathachadh, agus air an aobhar sin teicheadh uaith mar an nàmhaid is mò. Mar a mhionnaich neach àraidh a bhi na nàmhuid shiorruidh do na Ròimhich, agus mar a thaisbean e anns gach àm cùram a bhòid a cho-lionadh, mar sin bithidh giulan a Chreidich a thaobh gach peacadh. Is toradh so is eiginn do ghnà beò chreidimh ann an Iosa Criosd a leantuinn; agus ge b’e neach tha smuaineachadh air a chaochladh seol, tha e ’ga mhealladh fein, agus cha ’n ’eil an fhirinn ann. [TD 22] Ciod an dearbhadh ata aig a chreideach gu ’n deach e thairis o bhàs gu beatha? Cionnas ata an Spiorad a giulan fianuis maille r’a spioradsan gu ’m buin e do Dhia? Cha’n ann le guth o neamh, cha’n ann le a choguis a dhùsgadh as eugmhais naomhachd. Ach ’sann le dealradh air obair ghlòrmhor fèin ann san anam. ’Sann le toradh an Spioraid a ghiùlan a dh’ aithnichear gu bheil an cridhe air ath-nuadhachadh, agus an aigne neamhaidh. Air seol ’sam bith eile, feudaidh sinn a bhi air ar mealladh, mar a bha mòran ann ’sgach linn; ach far am bheil naomhachd, tha e na dhearbhadh thar teagamh, gu bheil an Spiorad a gabhail còmhnuidh ann an sin. Air an laimh eile, ged’ bhiodh eolas aingil aig neach, agus ged’ a tha e toirt a chreidsinn air fèin, a chionn gu ’n do mhothaich, na gu’n cual e ni eiginn, gu ’m bheil e cinnteach gu ’n d’ théid e chum neamh, as eugmhais naomhachd, tha e marbh ann am peacadh, agus ann an ea-ceartaibh. Oir ’san le iomhaigh an Tighearna a ghiulan, ’san le ùmhlachd thoileach d’a àitheantaibh, is urrainn sìth, agus aoibhneas mhairionnach a bhi air am mealtuinn. A dh’ aon fhocal, tha e neo-chomasach gu’m biodh neach ata làn naomha truagh ann an ifrinn, agus tha e, air an laimh eile, neo-chomasach gu ’m biodh neach ata mi-naomha sonadh ann an neamh. III. Ach tha fulangais Chriosd nam brosnachadh [TD 23] ro-chumhachdach a chum naomhachd, do bhri ’s gu bheil naomhachd, agus ceartas Iehobhah air an taisbeanadh annta. Cha do dhealraich na buaidhean sin riabh co glòrmhor is ann an so. Nach fheud sinn air an aobhar sin smuaineachadh gu ’m bi an taisbeanadh uamhasach so, na dhearbhadh sorruidh do gach dùil air feadh a Chruthachaidh, air rùn neo-chaochlaideach an Tighearna, onoir uachdranachd a sheasamh, agus a mheudachadh? Ach ma tha so fior a thaobh a chruinne-che, nach eiginn da gu h-àraidh toirt air a mhuinntir ata air an sàbhaladh leis, a ràdh, leis an irioslachd is mò, “Co ’s urrainn seasamh an làthair an Tighearna Dia naomha so? Oir is teine dian-loisgeach air Dia-ne.” Tha ’m foillseachadh so air naomhachd Dhe ’gan teagasg gu bheil a lagh ro leathann, gu bheil e ruigheachd a chridhe, agus air an aobhar sin nach bith feòil air bith air a fìreanachadh ’na fhianuis trìd a h-oibribh. ’Se ’n sealladh so, a dh’ irioslaicheas am peacach, a bheir air éigheach airson tròcair, agus gairdeachas a dheanamh anns an t-seòl air a bheil e air a thoirt seachad. ’Se so tha toirt air Criosd a bhi co luachmhòr do’n chreideach, tha toirt air naomhachadh a bhi co mòr air iarruidh leis, agus ata ga’ bhrosnachadh a chum faire a dheanamh air smuaintean a chridhe, agus toradh a chaithe-beatha. ’Se so tha toirt air sgrios a pheacaidh a mhiannachadh, agus amharc air neamh mar an sonas is àirde. [TD 24] Oir ciod e neamh ach naomhachd neo-chriochnach, ach aoibhneas ann an iomlaineachd? Ach a chionn gu bheil an Creideach air a shàbhaladh o mhallachadh an lagha, bheil e air an aobhar sin air a shàbhaladh o ùmhlachd do’n lagh? Ma bha e fo fhiachaibh ùmhlachd iomlan a thoirt do ’n lagh fhad sa bha e fo dhìte, am bheil e air a shaoradh o’n cheangal so a chionn gu bheil e air a dheanamh réidh ri Dia trid fuil a chroinn-cheusaidh? Na ’m biodh soisgeul ann bhiodh a’ teagasg so, dh’ fheudamaid a ràdh le dànadas, nach d’ thainig e o Dhia. Nam biodh duine air a dhìteadh gu bàs le lagh a dhùthacha, agus gu ’n sàbhaladh an Righ e o’n chroich, an abradh e ris, shaor mise thu o dhìteadh an lagha, cha ’n eil thu nis faide ceangailte ris, feudaidh tu nis do thoil a dheanamh? Air chinnte cha labhradh Righ talmhaidh sam bith mar so. Gidheadh ’sann mar so, a réir a choslais ata mòran a’ smuaineachadh mu Ard Righ nan sluagh. Tha lagh Iehobhah neo-chaochlaideach a thaobh naomhachd, agus ceartas, agus air an aobhar sin, cha’ n urrainn atharrachadh àite, no ni, na fiachaibh tha gach creatuir reusanta fodha dha, gu bràth a thoirt air falbh. IV. Ach a rìs: tha fulangais Chriosd nam brosnachadh cumhachdach a chum naomhachd, do bhrì ’s gu’r ann air an t-seòl so a dh’ oibrich easan amach slainte d’a phobull. Ann an so, deir an Creideach, tha mi a faicinn mo staid [TD 25] uamhasach a thaobh nàduir. Ma thug Criosd buaidh air cumhachd an dorchadais, tha so a’ teagasg dhomh gu ’n robh mise air mo ghlacadh aig an diabhol chum a thoile. Ann an dòrtadh fhuil ro-luachmhor a chum sàbhaladh o pheacadh, tha mi faicinn gu ’n robh mi gu h-iomlan fo chumhachd, agus buailteach do sgrios siorruidh ’na lorg. Tha ’n cupan feirg a dh’ òl easan, ag innseadh gum b’eigin do ’n ifrinn is isle a bhi na cuibhrionn domh mar deanadh easan so. Ah! a Thighearna Iosa, am b’eiginn domhsa bhi air mo thilgeal a chum iomall dorchadais, a chum truaigh neo-chriochnach, mar fuilingeadh Tusa, agus gidheadh an ceus mi thu a rìs le m’ pheacadh, ’gad’ chuir gu nàire fhollaiseach? An d’ oibrich thusa mach slainte dhomh, agus am feuch mise ri mi fein a sgrios? an d’ thug thus’ thu fein arson do phobuill, a chum an saoradh o gach aingidheachd, agus am buanaich mise ann an gràdh do pheacadh? An d’ rinn thu ùrnuigh ri d’ Athair arson do phobuill, ag ràdh, “Naomhaich iad trid na firinn, is e t-fhocalsa an fhìrinn?” Agus nach feuch mise ri bhi naomha? O Thighearna cruthaich mi a réir t iomhaigh! Gu iomlan ionnuil mi o m’ lochd ann ad fhuil. V. Feudaidh fulangais Chriosd a bhi air an toirt fainear mar bhrosnachadh chum naomhachd, a thaobh an ùmhlachd ata air a thaisbeana annta do thoil Dhe, agus an caomhalachd, ata [TD 26] air am foillseachadh da naimhdean. Tha ’n fhìrinn so gu soilleir air a cuir an céill leis an Abstol Pheadar. “Dh’ fhuiling Criosd mar an ceudna air ar soin-ne, a fàgail eisempleir agaibh chum gun leanadh sibh a cheumanna; neach nach d’rinn peacadh, ni mò a fhuaradh cealg na bheul; neach ’nuair a chàineadh e, nach do chàin a rìs, ’nuair a dh’ fhuiling e, cha do bhagair e, ach dh’earb e e fein ris-san a bheir breith cheart.” Am bheil an Criosduidh uair air bith fo mhòr thriobluid? Cuimhnicheadh e easan a bha cleachda ri àmhghar, agus a ghiulain ar bròn. Bheil e air a shàruchadh le buairibh an diabhoil? Dh’ fhuiling Criosd an còmhrag ceudna, agus fhuair e buaidh. Bheil e air fheuchain le bochdainn? Cuimhnicheadh e nach robh àite aig Criosd anns an cuireadh e cheann. Am bheil e na bhall-amhairc, araon trid mhaslaibh, agus thrioblaidibh? Sealladh e air an t-Slanui’ear a ghiulain nàir, agus masladh o dhaoinibh, ’s o dheamhanaibh. Cha d’ rinn easan riabh gearan mi-fhoidneach fo thrioblaidibh. “Thugadh e mar chaora chum marbhaidh, agus mar uan a ta na thosd am fianuis an fhir-lomaidh, amhuil sin cha d’ fhosgail e a bheul.” Tha e ùmhal, macanta, sèimh, foighdneach, caomh-chridheach, eadhon do’n mhuinntir a cheus e. Tha no briathraibh gràsmhor a labhair e air a chrann lan do chaomhalachd, “Athair maith dhoibh, oir cha ’n eil fhios aca ciod ata iad a [TD 27] deanamh.” An déigh an eisempleir so, ata do rireadh airigh air Caraid nam peacach, nach d’ thoir an Creideach gu toileach, a fhuair maitheanas ann am mòran, maitheanas do na naimhdibh is mò? O Chriosduidh, biodh gach focal, agus gniomh, làn do shìth, agus deagh-ghean do chlann nan daoine. Nach eil an eiseimpleir iomlan so ag ràdh riutsa; “Imich thusa, agus dean mar an ceudna?” VI. Tha fulangais Chriosd nam brosnachadh chum naomhachd, ma bheir sinn fainear, gu ’n d’ fhuiling e chum glòir an Athar a chuir air aghaidh. Tha so soilleir, ma chuimhnicheas sinn gu bheil Dia air a ghlòrachadh ann an co-lionadh gach crioch a chuir e roimhe. Do bhrigh uime sin, ’gu ’m b’e ’n rùn a bh’aige, ann an slainte a chinne daonna, a phobull a shàbhaladh, cha’ ne amhàin o’n fheirg ata chum teachd, ach mar an ceudna o chumhachd a pheacaidh; tha e gu soilleir a leantuinn, gu bheil easan air a ghlòrachadh a réir is mar ata a chrìoch mhòr so air a co-lionadh annta. ’Seiginn doibhsan mata, aig am bheil sùil ghlan a chum glòir Dhe, sgrios iomlan a pheacaidh a mhiannachadh, a chum is gu ’m bi gach crioch ghràsmhor a rùnaich Dia, air a cho-lionadh ’nan làn naomhachd, agus gu’m bi iad a giulan gu pailt toraibh na fìreantachd, ata trìd Iosa Criosd chum glòir, agus moladh Dhe. ’S cudthromach an ni do gach fior Chriosduidh smuaineachadh, fhad ’sa tha peacadh gabh- [TD 28] ail còmhnuidh ann gu bheil e giulan an ni sin a rùnaich Iehobhah a thoirt a nuas o rìgh-chathair. Ma ’se do rún uime sin, a leughadair, onoir ainm a chuir air aghaidh, co dhiu ’sann le beatha, no le bàs, guidheam, guidheam ort, a chum na crìche so, fuath iomlan agus siorruidh a thoirt do’n pheacadh. Dh’ fheuch sinn a nis r’a thaisbeana gu bheil fulangais Chriosd nam brosnachadh cumhachdach a chum naomhachd. Feudaidh sinn a nis a thoirt fainear, o’n iomlan do’n a chaidh ràdh; I. Gu bheil iadsan a tha gu iomlan as eugmhais naomhachd, ciod sam bith an t-eolas ata aca mu’n t Soisgeul, agus ciod sam bith an t-aid’eachadh ’ta iad a deanamh air an creidimh ann, fhathasd ann an domblas an t searbhuis, agus fo chuibhreach na h-eacorach.” Tha ’n fhirinn so gu tric air a daighneachadh ann am focal an Tighearna. Tha so a’ cuir an céill gu bheil an creidimh sin ata slainteil ag oibreachadh trid gràidh, a glanadh a chridhe, agus a toirt buaidh thairis air an t saoghal.”—Gu’n do cheus iadsan is le Criosd an fheòil, maille r’a h-antograibh, agus a h ana-miannaibh—Nach bi aiga pheacadh tighearnas thairis orra,—Gu bheil iad a’ suidheachadh an aigne air na nithibh a ta shuas, agus ni h ann air na nithibh a ta air an talamh.—A dh’ aon fhocal, Tha an Tighearna, co soilleir mu ’n ni so, cionnas is urrainn do chealgairean tha gràdh- [TD 29] achadh peacadh nan cridhe, smuaineachadh gu bheil iadsan nan cloinn do Dhia, nan oighreachan air neamh? Na meallar sibh, cha deanar fanoid air Dia. An ti a bheir “gràdh do pheacadh na chridhe, cha ’n éisd an Tighearna ris.” II. Cia mor an iomlaineachd gràis a dh’ ullaich Dia arson naomhachd a phobuill! Ann an so feudaidh gach Creideach na h-uile uireasbhuidh a leasachadh. Ann an so bithidh a laigse air a thionndadh gu neart, a dhorchadas a chum solais, agus a bhròn a chum aoibhneis. Seadh, “co-oibrichidh na h uile nithe,” deir Iehobhah e fein, “chum maith do ’n dream aig am bheil gràdh do Dhia, eadhon dhoibhsan a ghairmeadh a réir a rùin.” O nach ioghnadh an uair tha coilion gealladh, agus misneach air a thoirt duinn, nach bitheamaid ni bu naomha, ni bu bheothail, agus ni bu mhò air gach seòl air ar toirt thairis a chum seirbhis Dhe! Guidheam oirbh mo bhràithre, deanaibh dicheall chum bhur taghadh a dheanamh cinnteach.—Deanaibh faire, seasaibh gu daingean sa chreidimh, bithibh fearail, bithibh laidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.” Cuimhnichibh do ghnà gu bheil sibh fhathasd ann an dùthaich na naimhdean; air ar cuartachadh le buairibh, agus cunnartaibh, agus gu bheil bàs air gach laimh dhuibh. Cha ’n eil sibh fhathasd foirfe. Abraibh uime sin gach latha, le neach a bha fada air aghaidh ann an naomhachd. “A bhràithre, [TD 30] ni measam gun do ghlac mi greim; aon ni a dheanamh, air dhomh na nithe ata air mo chùl a dhi-chuimhneachadh, agus bhi ’gam shìneadh fein chum na nithe a ta romham, tha mi a’ dian ruith dh’ ionnsuidh a chomharaidh, chum geall àrd ghairm Dhe ann an Iosa Criosd. Fadheoidh a bhràithre, ge b’e nithe ta fior, ge b’e nithe ta onorach, ge b’e nithe ta ceart, ge b’e nithe ’ta fior ghlan, ge b’e nithe as fiu gràdh, ge b’e nithe ta ion-mholta, ma ta deadh bheus air bith ann, smuaintichibh air na nithibh sin: agus bithidh Dia na siochaint maille ruibh.” III. Fadheoidh, o’n teagasg so feudaidh sinn a thoirt fainear, gu ’m bi sgrios na muinntir sin uamhasach, a chuireas cùl ris an t Soisgeul. Am measg na muinntir so tha mi filleadh a steach gach neach ata mi-chùramach mu thimchioll, gach neach nach ’eil a dearbhadh le chaithe beatha gu ’n do chreid e chum slainte. ’Seiginn duibh a bhi an darna cuid, air taobh an Tighearna, no ’nar ceannaircich na aghaidh; agus gun teagamh ’s anns an staid is deireannaich a tha sibh, ma ’r deachaidh air ’n iompachadh leis an Spiorad naomh. Cia fad is miann leibh buanachadh ’san staid so? Faicibh ann am fulangais Chriosd an dìoghaltas uamhasach ata feitheamh oirbh. “Ma rinneadh na nithe so ris a chrann ùr, ciod a nithear ris a chrìonaich?” Ma dh’ fhuiling aon Mhac Dhe anns nach robh peacadh, am pian bu chràitich, agus am bàs a b’ uamhasaich, [TD 31] c’àite am bi ar cuibhrionn agaibhse, ata deanamh tàir air fhuil? An d’ thug easan e féin suas na iobairt thoileach do cheartas an Uile-chumhachdaich, a chum a bhi “air a bhualadh, agus air a bhruthadh le Dia, agus air a throm-smachdachadh,” a chum a bhi “air a leònadh arson ar n-eaceartaibh, agus air a bhruthadh arson ar ’n aingidheachd?” An robh “anam ro-bhronach eadhon gu bàs?” An robh a “chridhe air a leaghadh an taobh a stigh dha mar chéir?” An d’ thug Iosa e féin suas gu lamhan dhaoine aingidh, a dh’ fhulang péin, agus nàire, bàs mallaichte na ceusadh, agus so uile a chum is gu’n deanadh e “eadar-ghuidh arson peacaidh,” dioladh a thoirt do cheartas De, agus fireantachd shiorruidh a thoirt asteach?” Cia eagallach mata an dioghaltas a bhios air a ghabhail annaibhse a ni dìmeas air saibhreas a ghràis! “Cionnas a theid sinn as ma ni sinn dìmeas air slainte co mòr?” An ti a rinn tàir air lagh Mhaois, bhàsaich e gun trocair, fo dhithis no thriùir a dh’ fhianaisibh, cia mòr is measa na sin am peanas, a shaoileas sibh easan toiltinneach, a shaltair fo chosaibh Mac Dhe, agus a mheas mar ni mi-naomha fuil a chùmhnaint, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tailceas air Spiorad nan gràs? Is ni eagallach tuiteam ann an làmhan an De bheo. An urrainn do chridhe seasamh ris, no do làmhan a bhi laidir, ann ’s na làthaibh anns am buin mise ruit, deir Iehobhah? Cò is urrainn [TD 32] seasamh ann an latha a theachdsan? Cò ’nar measg is urrainn teachd beo le teine dian loisgeach? Cò nar measg is urrainn còmhnuidh a ghabhail le lasraichibh siorruidh?” Ach biodh e aithnichte dhuibhse, O pheacachaibh, gu bheil dòchas ann an Israel fhathasd air arson. Tha ’n Soisgeul a cuir an céill naigheachd aoibhinn arson ceannard nam peacach. O eisdibh, guidheam oirbh, r’a ghuth caomh, a chum ’s nach d’ théid ’ur sgrios gu siorruidh. Cluinnibh Iehobhah e fein a nis a’ labhairt ruibh na fhocal. “Oh! gach neach air am bheil tart, thigibh chum nan uisge’; agus easan aig nach ’eil airgiod, thigibh, ceannuichibh, agus ithibh; seadh, thigibh, ceannuichibh fion, agus bainne, gun airgiod, agus gun luach. Mar is beo mi, deir an Tighearna, cha’n ’eil toil agam ann am bàs an aingidh, ach gu’m pilleadh an t-aingidh o shlighe, agus gum biodh e beo: Pillibh, Pillibh, o bhur droch shlighibh; oir ciod uime a bhàsaicheas sibh, O thigh Israeil? Air an aobhar sin, gabhaibh aithreachas, agus bithibh air bhur n iompachadh, chum ’s gum bi bhur peacaidh air an glanadh as. Iarraibh Iehobhah fhad sa ’ta e ri fhaotainn, gairmibh air ainm fhad sa tha e dlù dhuibh; tréigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine ea-corach a smuaintibh, agus pilleadh e chum an Tighearna, agus ni e tròcair air, agus a chum ar Dia-ne; oir tha e pailt ann am maitheanas.” Amen. [TD 33] SEARMOIN III. EOIN II. 14, 15. “Agus mar a thog Maois suas an nathair san fhàsach, is ann mar sin is éigin do Mhac an duine bhi air a thogail suas; chum as ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatba mhaireannach aige.” THA cunntas soilleir air a thabhairt dhuinn mu thimchioll togail suas na nathrach san fhàsach an Aireamh xxi. 5—9, “Agus labhair an sluagh an aghaidh Dhe agus an aghaidh Mhaois, C’ar son a thug sibh a nìos sinn as an Eiphit, gu bàs fhaghail san fhàsach? oir cha’n’eil aran no uisge ann, agus tha ar n-anam a’gabhail gràin do’n aran eutrom so. Agus chuir an Tighearna nathraichean loisgeach am measg an t-sluaigh; agus lot iad an sluagh, agus fhuair mòr shluagh do Israel bàs. Uime sin thainig an sluagh a dh’ ionnsuidh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearn, agus a’ t’ aghaidh-sa; guidh air an Tighearna, gu’n toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois air son an t-sluaigh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Dean dhuit féin nathair loisgeach, agus cuir i air crann; agus tarlaidh gach neach a lotar, an uair a dh’amhairceas e oirre, gu mair e beò. Agus rinn Maois [TD 34] nathair umha, agus chuir e air crann i: agus tharladh, ma lot nathair duine sam bith, agus gu’n d’amhairc e air an nathair umha, gu’n d’fhan e beò.” Tha na firinnean a leugh sinn, a leigeadh ris duinn co eas-umhal sa bha clann Israeil do Dhia. An deigh gu’n do shaor e iad o laimh na muinntir a bha ga’n sàrachadh anns an Eiphit.—Gu’n d’thug e sàbhailte troimh ’n mhuir ruaidh iad—agus gu’n d’thug e buaidh dhoibh thairis air gach nàmhaid leis an robh iad air an cuartachadh, gu ruig an t-àm sin; gidheadh thréig iad gu truagh an Tighearna na ’n cridhe, agus labhair iad gu ceannairceach na aghaidh. Mar sin bhrosnaich iad Dia gu feirg air chor agus gu’n d’òrduich e nathraichean loisgeach a bhristeadh a mach na’m measg leis an d’fhuair mòran diu bàs. Is an uair a bha iad air an lot leis na nathraichibh loisgeach, gun chomas air iad fein a leigheas, agus a chaill iad gach dòchas, thainig iad a dh’ionnsuidh Mhaois, gu brònach ag aideachadh an cionta. Air do Mhaois eadar-ghuidh dheanamh air an son, dh’àithn Dia dha nathair umha dheanamh (’s e sin dealbh aon do na nathraichean loisgeach) agus a togail suas air crann, gu follaiseach, fa chomhair an t-sluaigh, chum gu’m biodh gach neach a bha air a lot, agus a dh’amhairceadh oirre, air a leigheas. Rinn Maois mar a dh’àithn Dia dha, agus tharladh gu’n robh gach neach a dh’amhairc air an nathair umha air a leigheas mar a gheall [TD 35] Dia. Bha na nithe so uile a comharachadh a mach teachd Chriosd, agus na slàinte a bha e gu oibreachadh arson na muinntir a chreideadh ann, mar a tha e fein ag ìnnseadh ann am briathraibh air cìnn-theagaisg. Agus mar a thog Maois suas an nathair san fhàsach, is ann mar sin is eiginn do Mhac an duine a bhi air a thogail suas; chum as ge b’e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha mhaireannach aige. Chum a bhi gairm bhur ’n aire, beagan ni’s mionaidiche, dh’ ionnsuidh na’m briathraibh so, bithidh sinn a’g oidheirpeachadh, gu h-aith-ghearr, a bhi toirt fainear cuid do na nithe anns an robh an nathair umha na samhladh air Criosd. I. ’Nuair a bheir sinn fainear an staid anns an robh clann Israel, aig an àm anns an do thog Maois suas an nathair san fhàsach, treòraichidh e sinn gu bhi beachdachadh air an staid anns am bheil sinn fein, agus na h-uile dhaoine, do thaobh nàduir. Bha iadsan air an lot leis na nathraichibh loisgeach—bha an lot bàsmhor—agus cha robh doigh, no comas aca, air iad fein a leigheas. Gu cinnteach bha an staid brònach. Ach tha sinne, gu spioradail, ann an staid mòran ni ’s measa. Mheall Sàtan ar tùs ar ceud sinnsir ann an coslas nathrach, agus tha sinn uile air ar lot leis “an dràgon mhòr, an t-seann nathair sin, ris an abrar an diabhol agus Satan, a tha meall- [TD 36] adh an t-saoghail uile.” Taisb. xii. 9. Cha ruigeadh lot na nathraichean loisgeach anns an fhàsach, air dochann a dheanamh ach do’n chorp amhàin; ach tha lot na nathrach nimhe so—eadhon puinnsean a pheacaidh a ruigheachd air an anam, agus air a chorp, air chor ’s gu bheil uile bhuaidhean an anama, agus buill a chuirp, gu h-iomlan air an truailleadh leis. “Tha an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. O bhonn na coise gu ruig an ceann, cha’n ’eil fallaineachd ann; ach lot agus bruthadh, agus creuchd lobhta.” Isaiah, i. 5. 6. Mar so tha éucail, agus galar bàsmhor a pheacaidh, an aoradh gach anama. “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd gearr ar gloir Dhe,” Rom. iii. 23. Tha e dearbhta gu bheil na h-uile dhaoine anns an staid so, thaobh naduir, ’o ’n fhianuis a tha Dia fein a toirt o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ’g iarraidh Dhe.” Thoir fainear ciod a leanas. “Chaidh gach aon diubh air ais; tha iad gu leir air fàs salach: cha’n’eil neach ann a ni maith, cha’n’eil eadhon aon,” Salm. liii. 2, 3. Tha Pol a toirt-fainear na nithe ceudna, anns an litir chum nan Romhanach, leis na briathraibh a leanas. “Mar a ta e sgriobhta, Cha’n’eil ionracan ann, cha’n’eil fiu a h-aon; cha’n’eil neach ann a thuigeas, cha’n’eil neach ann a tha’g iarraidh Dhe. Chlaon iad uile as an t-slighe, tha iad uile mi-tharbhach; cha’n’eil neach ann [TD 37] a tha deanamh maith, cha’n’eil fiu a h-aon. Is uaigh fhosgailte an scòrnach; labhair iad cealg le’n teangaibh; tha nimh nan nathracha nimh fo ’m bilibh. Aig am bheil am beil lan do mhallachadh agus do sheirbhe: tha an cosan luath a dhortadh fola: tha léir-sgrios agus truaighe ’nan slighibh: agus slighe na sìthe cha b’aithne dhoibh: cha’n’eil eagal De fa chomhair an sùl,” Rom. iii. 10, &c. Tha e dearbhta dhuinn ’o na firinnibh sin a leugh sinn, gu bheil an cinneadh-daonna gu leir ann an staid peacaidh agus truaighe—“marbh ann an euceartaibh agus ann am peacaibh,” Eph. iii. i. Gu bheil aig gach neach fa leith, an inntinn fheòlmhor sin, a tha na bàs innte fein, agus a tha cosnadh bàs siorruidh do’n anam. “Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs,” Rom. vi. 23. “Do bhrigh gur naimhdeas an inntinn fheolmhor an aghaidh Dhe; oir cha’n’eil i ùmhal do lagh Dhe, agus cha mhò a tha’n comas di bhi, uime sin cha’n urrainn iadsan a tha san fheoil Dia a thoileachadh,” Rom. viii. 7, 8. Mar so tha Focal De a leigeadh ris duinn, gu bheil daoine nan naimhdean do Dhia, buailteach do bhàs siorruidh, agus neo-chomasach air iad fein fhìrinneachadh, no Dia a thoileachadh. “Cha’n eil mi a’ cur gràis De an neo-brigh: oir ma tha fireantachd tre’n lagh, is ann gun aobhar a fhuair Criosd bàs,” Gal. ii. 21. A nis tha fhios againn ge b’e nithe a ta ’n lagh a’ labhairt, gur [TD 38] ann riu-san a ta fuidh ’n lagh a tha e’gan labhairt; chum gun druidear gach uile bheul, agus gu’m bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianuis De,” Rom. iii. 19. 2. Mar a bha an nathair phrais air a togail suas gu follaiseach san fhàsach chum leigheis, agus slainte, do’n mhuinntir a bha air an lot leis na nathraichibh loisgeach, is amhuil a tha Criosd air a thogail suas, agus air fhoillseachadh do’n t-saoghal chum slainte, agus saorsa, o ’n pheacadh, a bhuileachadh air gach neach a chreideas ann. Trid a bhi creidsinn anns-an fhuair na priomh-aithriche agus na fàidhean, agus na h-abstoil, agus uile shluagh an Tighearn, anns gach linn do’n t-saoghal, slainte shiorruidh do’n anamaibh. Bha e air fhoillseachadh o shean anns a ghealladh, le samhlaidhean; mar a tha air a chur an céill ann am briathraibh ar cinn-theagaisg. Mar sin tha e fein ag ràdh ris na h-Iudhaich, “Bha deidh mhòr aig Abraham, bhur n-athair-sa air mo là-sa fhaicinn; agus chunnaic se e, agus rinn e gairdeachas,” Eoin. viii. 56. ’Nuair a thainig coimh-lionadh na h-aimsir a gheall an t-Athair, dh’fhoillsicheadh e san fheoil, agus choimh-lion e gach ni a bha sgriobhta uime, anns an lagh, agus anns na fàidhibh. Oir, “Is ann chum na crìche so a dh’fhoillsicheadh Mac Dhe, chum gu’n sgriosadh e oibre an diabhoil,” 1 Eoin iii. 8. Bha e air a thogail suas air a chrann-cheusaidh, air sliabh Chalbhari, a fulang [TD 39] cruaidh-gleachd a bhàis, agus peanas searbh a pheacaidh, ann an àite a shluaigh. Mu’n d’ thug e suas an spiorad bha e comasach air a ràdh, gu’n robh obair na saorsa air a criochnachadh. “An déigh fhulangais nochd se e fèin beo do na h-abstolaibh, le moran do chomharaibh fìrinn each, air dha bhi air fhaicinn leo feadh dha fhichead là, agus e labhairt mu na nithibh sin a bhuineadh do rioghachd Dhe!” Gniomh. i. 3. Chunnaic iad uile e mar an ceudna air a thogail suas chum glòir. Mar sin fhuair e bàs air son a shluaigh, agus dh’èirich e rìs a chum am fìrinneachadh. Is e so an soisgeul a bha Pol a searmonachadh anns gach àite. Faic 1 Cor. xv. 1—7. ’Nuair a tha’n soisgeul air a shearmonachadh gu fallain, tha Criosd agus easan air a chéusadh, air àrdachadh, agus air fhoillseachadh, gu soilleir, fa chomhair an t-sluaigh, mar Fhear-saoraidh na’n ciontach. Feudaidh sinn so fhoghlum o na tha Pol ag ràdh ris na Galatianaich, muinntir nach faca riamh Criosd anns an fheoil. “O A Ghalatianacha amaideach, cò a chuir drùidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh ùmhal do’n fhìrinn, da’n robh Criosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair bhur sùl air a cheusadh ’nur measg.” Gal. iii. i. III. ’Nuair a thog Maois suas an nathair san fhàsach bha gairm, agus cuireadh, air a thoirt do gach neach a bha air a lot, amharc oirre, chum is gu’m biodh iad air an leigheas. Bha éifeachd [TD 40] anns an ioc-shlainte a bha freagarrach da’n cor, agus saor dhoibh uile. Bhiodh an t-iomlan diu air an leigheas trid sealltuinn ris an lathair phrais, cho saor, ’s cho grad agus a b’ urrainn aon a bhith. Air a mhodh cheudna, tha cuireadh, agus gairm, air a thoirt le Dia, na fhocal do na h-uile dhaoinibh aithreachas a ghabhail, agus an soisgeul a chreidsinn; sealtuinn ris-san a lot iad agus pilleadh d’a ionnsuidh fein chum is gu maireadh iad beo. Tha’n cuireadh so air a thoirt seachad, anns na Scriobtuiribh, le caochladh bhriathran. Mar a tha amharc ri Criosd—teachd da ionnsuidh—agus creidsinn ann &c. Tha na nithe so uile a ciallachadh creidsinn ann an Criosd, leis a chridhe chum fireantachd. “Oir annsan tha uile iomlanachd na diadhachd a gabhail còmhnuidh gu corporra.” Col. ii. 9. “Oir b’e deadh thoil an Athar gu’n còmhnuicheadh gach uile iomlanachd annsan.” Col. i. 19. “Esan dh’àrdaich Dia le a dheas laimh ’na Cheannard agus na Shlànuighear, a thoirt aithreachais agus maitheanais pheacanna do Israel.” Gniomh. v. 31. Ged a thigeadh an t-iomlan do’n chinneadh-dhaoin a nuas o Adhamh, gu deireadh an t-saoghail, a dh’ionnsuidh Chriosd, agus sin aig an aon àm, bhiodh iad uile air an tearnadh. Air an aobhar sin tha Slanuighear an t-saoghail air a ràdh ris; do bhrigh gu bheil e toirt cuireadh do na h-uile dhaoine teachd d’a ionnsuidh air son slainte. “Seallaibh riumsa,” deir e “agus bith- [TD 41] ibh air bhur tearnadh, uile iomalla na talmhainn; oir is mise Dia, agus cha’n’eil atharrach ann.” Isaiah xlv. 22. Is esan Righ nan righrean agus Tighearna nan tighearnan. Tha gach cumhachd air neamh agus air thalamh na laimh. “Air an aobhar sin tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ ionnsuidh Dhe trid-san a a thearnadh gu h-iomlan, do bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son.” Eabh. vii. 25. Tha cuid do mhuinntir a bha comharraichte thar tomhas, air son an aingidheachd, agus a fhuair maitheanas, air ainmeachadh, anns na Scriobtuiribh, chum “saibhreas Chriosd, nach feudar a rannsachadh” fhoillseachadh agus misneach a thoirt do gach seorsa pheacach gu creidsinn na ainm. Thoir fainear Manaseh, righ Iudah, duine aig an robh comunn ri deamhain, a bha cho eudmhor air son iodhal-aoraidh ’s gu’n do loisg e aon d’a mhic san teine do Bhaail, agus a chuir gu bàs na naoimh ann an Ierusalem, gus an robh sràidean a bhaile dearg le’m fuil; gidheadh, ’nuair a phill e ris an Tighearna, fhuair e tròcair. Thoir fainear, mar an ceudna, an gadaiche air a chrann-cheusaidh, agus gu h-àraidh Saul ’o Tharsus, neach a rinn mòr gheur-leanmhuinn air na naoimhibh, agus a bha ga’n éigneachadh gu toibheum a labhairt. Ach faic ciod a tha e fein ag ràdh, an déigh dha bhi air iompachadh. “Gidheadh, [TD 42] air a shon so fhuair mi tròcair, chum gu’m foillsicheadh Criosd annamsa air tùs uile fhad-fhulangas, mar shamhladh dhoibhsan a chreideadh ann, an dèigh so, chum na beatha maireannaich.” 1 Tim. i. 16. Chan urradh dhuit-sa bhi nis fàide air taghaidh ann an aingidheachd, na bha mhuinntir a dh’ainmich sinn; air an aobhar sin, tha dòchas ann air do shon. O ma ta “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd agus téarnar thu.” Gniomh xvi. 31. “Agus glanadh fuil Iosa Criosd a Mhic, sinn o gach uile pheacaidh.” 1 Eoin i. 17. Cluinn Dia gad ghairm anns na briathraibh a leanas. “Thigibh a nis agus tagramaid ri chéile. deir an Tighearn; gad’robh ’ur peacanna mar an scàrlaid, bithidh iad geal mar an sneachda; ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar olainn.” Isaiah i. 18. IV. Fhuair gach aon do na h-Iudhaich, a bha air a lot leis na nathraichibh loisgeach san fhàsach, agus nach d’amhairc ris an nathair phrais, bàs: oir cha robh leigheas doibh ann an ni air bith eile: ni mò bha e chum tairbhe dhoibh gu’n robh leigheas air a thairgse dhoibh, ’nuair nach do ghabh iad ris. Air an atharrach, ’sann a bha iad air am fàgail gu’n leisgeul, agus air am féin-dhiteadh ann am bàs. Air a mhodh cheudna, tha e dearbhta nach dean e feum do dhaoine, gu’n cual iad iomradh air Criosd, agus air an obair mhòr a chriochnaich e air an talamh, an àite [TD 43] na’n ciontach, agus gu bheil cuireadh, agus gairm, aca teachd da ionnsuidh agus a bhi beo, ma ’s e agus nach creid iad ann. Is ann a mheudaicheas e ciont, agus dìteadh dhaoine, gu bheil slainte air a h-ullachadh air an son, agus air a tairgse dhoibh, gu saor, le Dia, tre Iosa Criosd, ma ’s e agus nach gabh iad ris. “Agus is e so an dìteadh gu’n d’thainig an solas do’n t-saoghal, agus gu’n do ghràdhaich daoine an dorchadas ni ’s mò na’n solus, a choinn gu’n robh an gniomharan olc.” Eoin iii. 19. A rìs, tha Criosd ag ràdh ris na h-Iudhaich, “Mar creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs ann bhur peacaibh.” Eoin viii. 24. Is e sin, bàs fhaghail gu’n mhaitheanas, gu’n slainte, gu’n dòchas; fo throm chudthrom an cionta fein, agus fo fhearg theinnteach an Uile-chumhachdaich, a bhios air a dòrtadh a mach air na h-eascairdibh, gu’n fhuarachadh, na lasachadh, fad saoghal nan saoghal. A mhuinntir a gheibh bàs na’m peacaibh theid an cuibhrionn a thoirt dhoibh anns an loch a tha dearg lasadh le teine agus pronnusc; ni a ’s e an dara bàs.” Taisb. xxi. 8; far am bi iad air am pianadh gu siorruidh, maille ris an diabhol agus r’ a ainglibh. Thig an truaighe sin uile air gach neach a chuireas cùl ri Criosd: oir cha’n’eil ni, no neach, eile ann as urrainn tèarnadh. “Agus cha’n’eil slainte ann an neach air bith eile: oir cha’n’eil ainm air bith eile fo neamh air a thoirt am measg dhaoine, tre am feud sinn bhi air ar tèarnadh.” Gniomh iv. 12. [TD 44] Cha bhi staid nan Innseanach nach cuala riamh iomradh air Criosd a chòir cho eagallach, air là a bhreitheanais, ’s a bhios staid na muinntir aig an robh na Scriobtuirean ’na’n cànmhuinn fein, agus an soisgeul air a Shearmonacha dhoibh; gidheadh nach do chreid ann an Criosd. Tha so dearbhta o ’n bhreitheanas a bhagair ar Tighearn an aghaidh na’m bailtean anns a mò an d’rinn e d’a oibribh glormhor, agus cumhachdach ’nuair a bha e air thalamh.” An sin thòiseach e air achmhasan a thabhairt do na bailtibh anns am mò a rinneadh d’a oibribh cumhachdach, air son nach d’rinn iad aithreachas. Is an-aoibhinn duit; a Chorasin; is an-aoibhinn duit; a Bhetsaida: oir nam biodh na h-oibre cumhachdach a rinneadh annaibhsa, air an deanamh ann an Tirus agus ann an Sidon is fada o’n a dheanadh iad aithreachas ann an Saic eudach agus an luaith. Ach tha mi ag ràdh ribh, gu’m bi staid Thiruis agus Shidoin ni’s so-iomchaire ann an là a’ bhreitheanais, na bhitheas bhur staid-sa. Agus thusa, a Chapernaum, a ta air do thogail suas gu neamh, tilgear sios gu h-ifrinn thu; oir nam biodh na h-oibre cumhachdach a rinneadh annadsa air an deanamh ann an Sodom, dh’fhanadh e gun a sgrios gus an diugh. Ach tha mi ag ràdh ribh, gur so-iomchaire a bhitheas e do fhearann Shodoim ann an là a bhreitheanais, na dhuitse.” Mata xi. 20—24. V. Ged a bha’n dream sin a chaidh a lot leis na [TD 45] nathraichibh loisgeach, anns an fhàsach, air an leigheas, trid sealltuinn ris an nathair phrais, gidheadh cha robh iad seachad air cunnart an déigh sin; oir na’n rachadh iad, trid mi-chùram, dlùth do na nathraichibh loisgeach, bhiodh iad air an lot a ris. Air a mhodh cheudna, tha e fior gu bheil iad-san uile a ta creidsinn ann an Criosd, air an saoradh, o mhallachd an lagha. Tha iad mar an ceudna air ann saoradh o ghràdh, o pheanais a pheacaidh, agus da lorg sin, tha iad air an éigneachadh, ’s air am brosnachadh, le gràdh Chriosd, gu bhi gluasad an ùmhlachd do thoil an Tighearn, anns na h-uile nithe; “gu bhi beo cha ’n ann dhoibh fein, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’éirich a rìs.” 2 Cor. V. 15. Tha e dearbhta dhoibh gu bheil sonas an anama a coimh-sheasamh ann an ùmhlachd a thoirt do Dhia, le caithe-beatha naomh: agus ’s ’e sin a bheir dearbhadh dhoibh fein, agus do’n t-saoghal gur iad sluagh an Tighearna. Cha dean aidmheil lom, agus fuar-chràbhadh, feum air bith do’n anam; ni mò tha dearbhadh aig a mhuinntir a’s treibhdhiriche, gu’n d’theid iad do neamh, ach do reir ’s mar a bhuanaicheas iad ann an slighe na naomhachd. Tha so soilleir o na briathraibh a leanas. “Cha’n e gach uile neach a their riumsa, A Thighearn, a Thighearn, a théid a steach do rioghachd nèimh; ach an ti a ni toil m’ Athar-sa a ta air neamh.” Mat. VII. 21. “Ach ge b’e bhuanaicheas gus a’ [TD 46] chrìoch, is e so a thèarnar.” Mat. x. 22. “Bi-sa firinneach gu bàs, agus bheir mise dhuit crùn na beatha.” Taisb. ii. 10. Cha’n’eil na criosduighean is fearr a mach a cunnart an fhad ’s a tha iad air chuairt ann am fàsach an t-saoghail so; oir tha iad air an cuartachadh gach là le iomadh buaireadh, air an laimh dheis, agus air an laimh chlì. Tha e air iarruidh orra gach coslas uilc a sheachnadh, agus an earbsa uile chuir ann an Dia. “Tilgibh bhur n-uile chùraim airsan; oir a ta cùram aige dhibh. Bithibh stuama, deanaibh faire; do bhrigh gu bheil bhur nàmhaid an diabhol, mar leomhan beuchdach, ag imeachd mu’n cuairt a’ sireadh cò a dh’fheudas e shlugadh suas.” 1 Pead. v. 7, 8. Mar sin tha an t-sean nathair nimhe sin, is e an diabhol, a dol mu’n cuairt, an còmhnuidh, a’ sireadh cò dh’fheudas e a lot agus a mhilleadh; ach tha misneach air a thoirt do na naoimh gu cur na aghaidh, ann an ùmhlachd do Dhia, air dhoibh a bhi daingean sa chreidimh. “Uime sin ùmhlaichibh sibh fein do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhoil, agus teichidh e uaibh.” Seumas iv. 7. Agus tha armachd spioradail air a tairgse dhoibh le Dia, “leis am bi iad comasach air uile shaighde teinteach an droch spioraid a mhùchadh.” Uime sin, “tha e ’g radh, glacaibh do ’ur n-ionnsuidh uile armachd Dhe, chum gu’m bi sibh comasach air seasamh an aghaidh a bhuairidh san droch là.” Eph. vi. 13. Ma ni na naoimh dearmad air faire, agus ur- [TD 47] nuigh a dheanamh an còmhnuidh; ma thréigeas iad tigh an Tighearna, agus nach cuir iad umpa ’n armachd spioradail, a tha air a tairgse dhoibh le Dia, ach gu’n earb iad as an neart fein; cha ’n’eil teagamh nach tuit iad, mar a rinn Daibhidh agus Peadar, ann an ciontaibh, leis am bi iad air an lot gu goirt, gidheadh tha eifeachd ann am fuil Chriosd, a ghlanas air falbh an cionta, agus tha cuireadh aig an t-seorsa sin gu sonruichte, pilleadh da ionnsuidh, chum agus gu’ m biodh iad air an leigheas a rìs. “Pillibh, O chlann chùl-sleamhnach, deir an Tighearn, oir tha mi pòsda ruibh; agus gabhaidh mi sibh, aon a baile, agus dithis a teaghlach agus bheir mi sibh gu Sion.” Ier. iii. 14. VI. Bha e féumail do na h Israelich, a bha air an lot leis na nathraichibh loisgeach, amharc ris an nathair phrais gu’n dàil; oir bha iad air am pianadh le galar craiteach, agus bha’n lot bàsmhor; air chor as nach robh ùine aca ri chall. Na’n deanadh a mhuinntir a bha air an lot sa mhaduinn, dàil a chur ann an amharc ris an nathair phrais air a chrann gu feasgar; theagamh gu’m faigheadh iad bàs mu’n d’thigeadh an t-àm sin. Is amhuil a chùis do thaobh an t-soisgeil. Gun amharus, tha Criosd comasach air na sean pheacaich, a tha air cruadhachadh ann an aingidheachd, agus air crìonadh, mar chonnadh, chum an losgaidh, a thèarnadh, gus a chuid as fhaide, ceart co ullamh ris a mhuinntir òig, ma chreideas iad ann. Gidheadh cha’n’eil sin na [TD 48] aobhar misnich do’n mhuinntir òig gu dàil a chuir ann an aithreachas. Cha’n’eil gealladh aig neach òg air bith gu’m faic e sean aois, agus ged a bhitheadh, cha bhi e ni’s usadh dhoibh am peacadh a threigsinn an sin, na tha e nis. Tha Dia labhairt ris a mhuinntir òig air an doigh so, “Cuimhnich a nis do Chruith-fhear ann an laithibh t-òige, mu ’n tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnacha riut; anns an abair thu Cha’n’eil tlachd agam annta.” Ecl. xii. 1. Ach tha daoine ann a tha air am mealladh, agus air an dalladh, co mòr, as gu bheil iad a saoilsinn nach ’eil cunnart doibh toilinntinn na feola leantuinn, co fada ’s ’as urradh dhoibh; ma’s e agus gu’m pill iad ri Dia beagan ùine ma’m faigh iad bàs, gu’m bi a chùis ga maith maille riu. Mo thruaighe! Tha iad-san a dearbhadh nach ’eil tlachd aca ann an seirbheis De, agus nach ’eil toil, no iartas aca Dia ghlòrachadh, no comh-chomunn a shealbhachadh maille ris, anns an t-saoghal. Is ann a tha iad a rùnachadh seirbheis a dheanamh do’n diabhol, co fada ’sa ’s urradh dhoibh; agus ’nuair a théid dhiu sin a dheanamh pilleadh ri Dia, an déigh an ùine, agus an neart, a chaitheamh ann an seirbheis an diabhoil. O ciod an fhanaid air Dia! Tha iad so mar a bha Felics, ’nuair a thubhairt e ri Pòl, “Imich romhad an tràth so, nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.” Ach is ann a tha an Spiorad naomh ag ràdh. “Feuch, a nis an t-àm taitneach; feuch a nis là na slainte.” [TD 49] SEARMOIN IV. AN GEATA CUMHANN. LUC. xiii. 23, 24. “An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearn, an tearc iad a shaorar? Agus thubhairt esan riu, Deanaibh spairn chruaidh gu dol a stigh air a’ gheata chumhann; oir a ta mi ag ràdh ribh, gu’n iarr moran dol a stigh, agus nach urrainn iad.” THA slighe na slainte air a coimeas ri geata cumhann, chum a leigeadh ris, cho duilich ’sa tha e imeachd oirre, agus na h-oidheirpean a dh’fheumar a thoirt a chum ruigheachd gu crìch. Feumaidh e, tha fios againn, bhi ’na ni duilich dol a stigh air a gheata so, do bhrigh gur tearc’ iad tha dol a stigh air, an coimeas riu-san nach ’eil. Tha gach ni annainn, agus mu’n cuairt duinn, gar dian-iomain air aghaidh air an t-slighe leathain; tha na h-uilc a ta anns an t-saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann na sùl, agus uabhar na beatha; tha an leisg agus an neo-shunnt sin ann an nithibh spioradail, agus ann an cleachdadh nam meadhonan gràis a dh’òrduich Dia, o nach eil a h-aon againn saor; tha a leithid do chlaonadh ’nar nàdur an déigh buannachd agus cliu shaoghalta, agus sàsachadh [TD 50] na colladh, is nach aobhar iongantais gu’m bheil sinn ’ga mhothachadh ’na ni duilich dol a stigh air a’ gheata chumhann. Tha iad so agus iomadh cùis bhachdaidh ’eile anns an rathad; agus air an aobhar sin feumar spàirn a dheanamh gu dìchiollach gu dol a stigh. ’Sa cheud àite, bheir mi fa’near am modh air am bheil sibh ri ùmhlachd a thoirt do’n àithne so, no, am briathraibh eile, ainmichidh mi seoladh no dhà a dh’fhaodas a bhi feumail a chum ’ur treorachadh gu géill a thoirt dh’ i; agus anns an dàra àite, cuiridh mi fa’r comhair beagan do nithe gu’r brosnachadh gu ùmhlachd gu’n mhoille. Tha mi toirt fa’-near ma ta. I. Gu feum sibh a chum géill a thoirt a dh’ àithne a Chinn-teagaisg, cruaidh dhìchioll a dheanamh gu mion-eolas fhaotainn air slighe na slàinte. Tha mi a’ sparradh a’ ni so air ’ur n-aire, a chionn gu bheil fios agam co pailt ’s a tha aineolas agus beachdan mearachdach a thaobh na nithe a bhuineas d’ar sìth shiorruidh; agus cho ealamh ’sa tha mìlteann air iad féin a thoileachadh leis na beachdan agus na barailean a thuit tighinn nan rathad. ’S fior nach ’eil eòlas slàinteil duilich r’a thuigsinn; cha ’neil e os ceann comas breithneachaidh a h-aon againn, tha ’am focal am fagus duit ann ad bheul, agus ann ad chridhe; ’se sin focal a chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh; ma dh’ aidicheas tu [TD 51] le d’ bheul an Tighearn Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gu’n do thog Dia o na marbhaibh e, gu’n saorar thu. Ach furasd agus so-ruigheachd air mar tha an t-eòlas so, tha na mìltean, bochd agus beartach, gu toileach as eug’ais. ’S áill leosan a tha bochd a bhi smuaineachadh gu’n dean dìth ùine agus cothrom an leithsgeul a ghabhail air son an aineolais, mu theagasgaibh na beatha maireannaich; agus tha ’mhuinntir bheartach deas gu bhi cuir gliocas an t-saoghail ann an àite nam briathran leis am feud iad a bhi air an tearnadh. Cha ’neil neach air bith a ’s urrainn a bhi ni’s mò as eugais eòlais Dhe agus a mhic Iosa Criosd, na iadsan a tha smuainteachadh gu’m bheil iad cheana glic; agus cha’neil neach a ’s urrainn a bhi ni ’s doirbhe a thoirt gu mothachadh, agus a staid a dhearbhadh air, na esan a tha am beachd gu’m bheil e cheana a’ faicinn. Nis, mo bhràithrean, cha n-urrainn sibh dol a stigh air a gheata chumhann,—cha n-urrainn sibh a bhi taitneach ann an làthair Dhe, gus am bi eòlas agaibh air a mhodh air am bheil a chàirdeas ri bhi air a shealbhachadh. Cha leòir fios a bhi agaibh gu bheil Dia agus Slànuighear ann,—gu bheil an t-anam neo-bhàsmhor, agus gu’m feum e bhi gu siorruidh truagh no gu siorruidh sonadh: ma ’s àill leibh a bhi an seilbh air beatha, feumaidh sibh an ceart eòlas sin fhaotainn a dh’ fhòillsich Dia a chum ’ur, n- [TD 52] atharachadh o dhorchadas gu solus, agus o chumhachd Shàtain gu Dia. Feumaidh sibh beachdachadh air Dia mar a tha e air a leige ris anns na scriopturaibh, mar Dhia maith agus naomh, ni ’s glaine suilean na gu’n amhairc e air aingidheachd;—feumaidh sibh oidheirp a thoirt cha ’n e a mhain lìtir an lagh a thuigsinn, ach fharsuingeachd agus a spioradalachd, mar tha e a’ ruigheachd gu smuaintibh agus rùnaibh a chridhe; feumaidh sibh smuainteachadh air àireamh ’ar peacanna anntromaichte an aghaidh an De d’am bheil sibh ri cùnntas a thabhairt; feumaidh sibh, cha ’ne a mhain fhaicinn, ach a gheur-mhothachadh gur staid cionta ’ur staid mar pheacaich, gu’m bheil sibh ’n ur coimhich do Dhia, agus buailteach d’ a chorruich; agus feumaidh sibh stri ri bhi tuigsinn gu soilleir nach ann o oibribh fìreantachd a ’s urrainn sibhse a dheanamh, ach o ghràs saibhir Dhe tre iobairt ar Tighearn Iosa, a tha ’ur saorsa o chionta agus o pheanas a’ sruthadh;—agus feumaidh sibh a ghnà a chumail ’n ur cuimhne gur h-ann a mhain trid gràis an Spioraid Naoimh, a tha air a ghealltainn dhoibhsan a dh’ iarras e, is urrainn ’ur cridheachan a bhi gu h-éifeachdach air an tionndadh gu Dia. Cha mheas sibh ’ur saothair tuille as mòr a chum an t-eòlas so fhaotainn ma tha sibh da rìreadh a’ creidsinn [TD 53] luachmhoireachd nam beannachdan a tha ceangailte ris, agus ma chuimhnicheas sibh nach seilbhich sibh a bheatha mhaireannach as eugais, agus ged’ a shaoileas sibh gu bheil an t-eólas so furasd r’a fhaotainn leigibh leam innseadh dhuibh gum faod sibh a bhi air ’ur meas glic ’s a bhi gidheadh as eug’ais; feudaidh sibh a bhi a’ sìor-fhoghlum, agus gun chomas gu bràth teachd chum eòlas na fìrinn. “Ma tha ar soisgeul-ne folaichte, is ann dhoibh-san a tha caillte a tha e folaichte; anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinn na dream nach’eil ’nan creidich, air eagal gu’n dealraicheadh orra solus soisgeil ghlormhoir Chriosd, neach a’s e iomhaigh Dhe.” Tha mi toirt fa’near, II. Gur h-eiginn dhuibh, a chum umhlachd a thoirt do’n àithne ’s a’ cheann-teagaisg, an t-eadar-dhealachadh a th’ eadar staid gràis agus staid peacaidh a chumail a ghnà fa’r comhair. Tha an t-eadar-dhealachadh so air a chumail a mach le briathraibh ar Tighearna,—leis an spàirn a tha e ag iarraidh a dheanamh, agus an dà shlighe a tha e ag ainmeachadh. Nis, is còir an t-eadar-dhealachadh so bhi a ghnà air a chuimhneachadh, agus an ni anns am bheil e a’ co-sheasamh bhi air a thuigsinn. Agus cha leòir ’sa chùis so fios a bhi againn gu’m bheil gach duine ’na pheacach, agus gu’n d’thàinig Iosa Criosd a nuas o neamh, ’s gu’n do leig e sìos a bheatha chum esan a chreideadh ann a thearnadh, agus gu’m [TD 54] faigh gach neach a ghabhas aithreachas agus a bheir gèill da seilbh air na h-uile beannachd agus tiodhlacadh tha a’ sruthadh o bhàs. Bu chòir dhuinn fios a bhi againn mu’n staid pheacaidh so ’s am bheil na h-uile a thaobh nàduir, agus anns am bheil mòran a’ buanachadh a bhaisteadh ann an ainm Iosa, gur staid i anns am bheil sàimh agus onair an t-saoghail air an roighneachadh thar càirdeas agus glòir agus seirbheis De—gur staid i anns am bheil an cridhe air a ghnà thionndadh air falbh o Dhia, agus air a shuidheachadh air nithibh talmhaidh—gur staid i a tha gu tur a reir ana-mianna agus iartasan peacach crìdhe an duine—agus gur staid i o am bheil esan a mhàin comasach air ar saoradh a tha cumhachdach gu tearnadh, is urrainn le a ghràs ar n-atharachadh o rioghachd an dorchadais gu rioghachd an t-soluis agus na fìreantachd. ’Se so staid na h-uile a thaobh nàduir, eadhon na muinntir sin a tha air an deanamh saor o pheacadh, ’sa tha ’nan seirbhisich do Dhia; oir bha iadsan mar an ceudna uair eiginn ea-ceillidh, eas-umhail, air seacharan, a’ deanamh seirbhis do iomadh gnè do ana-miannaibh a’ caitheadh am beatha ann am mi-rùn agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath d’a chéile. Ach tha iad air an tur atharachdh o ’n chor so; tha iad air am fìreanachadh, air an naomhachadh, agus air an ionnlaid an ainm an Tighearn Iosa agus tre Spiorad ar De-ne; agus cha ’n e a [TD 55] mhàin gu bheil beachdan agus fiosarachadh nuadh aca, ach tha iad ann an dàimhnuadh ri ’n Athair neamhaidh. Rinn gràs saor agus ard-uachdaranach an eadar-dhealachadh o mhuinntir eile; shaor e iad o chiont agus o chumhachd a pheacaidh; thug e dhoibh aithreachas a thaobh Dhe, agus creidimh a thaobh an Tighearn Iosa Criosd, agus shuidhich e iad ’nam measg-san do nach ’eil dìteadh sam bith, agus a chaidh seachad o bhàs gu beatha. Anns an staid ghràis agus naomh so tha fathast mòran do neo-iomlaineachd, ach tha aomadh nan aignidhean agus nan iartasan a’ dh’ ionnsuidh Dhe; ’se bhi mealtainn a dheadh-ghean a chrìoch shonruichte a tha ghnà ’san amharc, agus tha na fior chreid’ich ag oidheirpeachadh a bhi beo dha mar a thigeadh d’a mhic agus d’a nigheanaibh, ann an dòchas còmhnuidh a ghabhail maille ris troimh ’n t-siorruidheachd. Tha iad air an cuartachadh air gach laimh le cunnartaibh agus le cùisibh-bacaidh, ach chaidh iad a steach air geata cumhann an iompachaidh; ghabh iad orra a chuing a tha so-iomchar agus an t-uallach a tha eutrom; agus ’s e an oidheirp a bhi a’ caitheamh am beatha gach là tre chreidimh Mhic Dhe, a ghràdhaich iad agus a thug e fein air an son. A nis, mo bhràithre, tha e feumail duibh eadar-dhealachadh an dà staid so a chumail an cuimhne; agus mar an ceudna, nach bi sibh air dol a stigh air a gheata chumh- [TD 56] ann, ge b’e air bith aidmheil agus cothrom a bhitheas agaibh, gus am bi sibh air ur n-atharrachadh o’n dara h-aon a dh’ ionnsuidh an aoin eile. Feudaidh e bith nach bi a bheag do dhealachadh r’a fhaicinn eadar sibh fein agus muinntir dhiadhaidh, agus nach bi sibh a meas gu bheil ’ur mùgha staid cho fhad o chéile; ach bitheadh dearbh fhios agaibh gu ’m bheil fior eadar-dhealachadh ann,—eadar-dhealachadh nach dean am bàs ach a dhaighneachadh agus a leige ris ni ’s soilleireadh. ’S ann le meur Dhe chaidh a chrioch a tharruing a tha sgarachdainn na muinntir a tha ’n staid peacaidh o’n mhuinntir a tha ’n staid gràis agus naomhachd; agus cia air bith co mòr ’s a dh’ fheudas i bhi air uairibh air a ceiltein leis a mhodh air am bheil na h-uile ann an tomhas eiginn air an co-measgadh san t-saoghal, tha i eadhon a nis fein gu soilleir air a leige ris anns na scriopturaibh, agus theid aire a thoirt dh’ i leis a Bhreitheamh Shiorruidh air an latha mhòr sin air an sgar e na fìreana o na h-aingidh, mar a sgaras buachaill na caoirich o na gabhairibh. ’Si a cheist, ma ta, (agus, na ’m bitheadh am beachd ceart againn oirre, bu cheist chudthromach ’n ar sùilibhne i,) ciod an staid anns am bheil sinn. An ann an staid peacaidh, fuidh mhallachd an lagha, agus buailteach do pheanas siorruidh, no air ar deanamh réidh ri Dia tre iobairt a Mhic, a’ giulan toradh aignidhean spioradail agus naomha, agus ag imeachd [TD 57] air ar n-aghaidh air an t-slighe chumhann a tha treòrachadh a chum beatha? Iadsan a tha ’sa cheud staid, ged’ robh iad air am baisteadh, agus a’ sealbhachadh uile chothroman eaglais Chriosd, ’s ged’ ghabh iad orra fein uile sgéimh agus uile stuamachd aidmheil dhiadhaidh, theid iad gidheadh a dhìth gu siorruidh; ach tha iadsan a tha san staid eile air an gleidheadh le cumhachd Dhe, agus buanaichidh iad gu crioch an creideamh, eadhon slàinte an anma. Tha mi toirt fa’near, III. Gu feum sibh, a chum géill a thoirt do ’n àithne ’sa bhonn-teagaisg, oidheirp a thoirt air saorsa fhaotainn o bhur staid, ’n uair a gheibh sibh a mach gur h-ann an staid peacaidh a tha sibh, ’s nach eil sibh fathast air’ur n-iompachadh. Ma làn-chreid sibh ciod e a bhi ’san staid so;—fhad ’sa tha sibh innte gu ’m bheil sibh gràineil ann an sealladh Dhe; gu ’m bheil ’ur n ùrnuighean agus ’ur moladh neo-thaitneach leis; gu ’m bheil gach peacadh a chuir sibh riamh an gniomh ’na luidhe oirbh; nach d’ fhuair sibh, agus nach faidh gu siorruidh, fhad ’sa bhitheas sibh ’san staid so, am maitheanas saor agus sior-mhaireannach a tha air a dheònachadh do chreidich tre iobairt Chriosd; nach ’eil sochairean coitchionn an fhreasdail ach ag ann-tromachadh ’ur peacaidh, agus ’g ’ur fàgail ni ’s lugha leithsgeul; na ’m bitheadh sibh a’ creidsinn so uile, cia dian agus dùrachdach a dh’ [TD 58] iarradh sibh a bhi air ’ur n-atharachadh o rioghachd an dorchadais gu rioghachd Mac gràdhach Dhe. Tha mi cìnnteach nach ruig mi leas comharan na staid so ainmeachadh. Am bheil fuath agaibh dhoibhsan a tha ag oidheirpeachadh Dia a thoileachadh, ’s nach ’eil a’ dol maille ris a mhòr-chuideachd a dheanamh uilc; agus am bi sibh ri sgeig agus ri fanoid orra; am bheil sibh a’ gabhail tlachd ann an deanamh fanoid agus tarcuis air diadhachd, le bhi sior-aithris laigsinn na muintir a tha deanamh aidmheil dh’i? An ann o ’n t-saoghal a tha sibh a’ faotainn ur sonais is mò, agus am bheil sibh a reir rian agus riaghailtean an t-saoghail a’ dol an aghaidh àithne an Ti a thubhairt, Iarraibh air tùs rioghachd Dhe agus fhìreantachd? Am bheil co beag meas agaibh air ùghdaras Chriosd, agus air an t-sonas a gheall e d’a fhior luchd-leanmhuinn, is nach ’eil sibh a tabhairt géill do ’n ùghdaras so? Am bheil an diadhachd a’ drùghadh air ’ur cridheachaibh, a’ deanamh ’ur n-aignidhean agus ’ur n-iartasan spioradail? An gnà leibh strìocadh do gach peacadh gun aon oidheirp a thoirt air fhuathachadh agus a thréigsinn, ach a’ ceadachadh dha a bhi a’ riaghladh thairis oirbh? Am beag oirbh na h-earrannan sin de dh’fhocal Dhe a’ s cruaidhe air a pheacadh air am bheil cion sonruichte agaibh, agus na Searmoinean a dh’ innseas ciod a tha ’n ’ur cridhe, agus a rannsuicheas agus a rùisgeas a choguis? Agus [TD 59] am mò a chumhachd a th’ aig ùghdaras duine thairis oirbh na aig ùghdaras De, agus aig geallainean agus bagraidhean duine, na aig geallainean agus bagraidhean an Ti sin is urrainn an t-anam agus an corp a sgrios ann an ifrinn gu siorruidh? O na comharaibh so feudaidh sibh a thuigsinn am bheil sibh ann an staid neo-iompaichte, agus am buin dhuibhse uile thruaighean na staid sin anns an t-saoghal so, agus anns an t-saoghal ri teachd. Ma ’se so bhur staid iarraibh saorsa uaipe gu dùrachdach o ’n Ti d’ a n-urrainn ur saoradh, agus iadsan a thearnadh a dh’ ionnsuidh na cuid a’ s faide a thig gu Dia trid-san. Agus leigibh leam a chur ’n ur cuimhne gu ’m bheil sibh, eadhon ’n ur staid neo-iompaichte, ’n ur creutairean riasonta, agus air an aobhar sin, gu ’m bheil sibh ris gach meadhon a chleachdadh a chum pilleadh ri Dia. Leughaibh gu dìchiollach na scrioptuire naomha a tha comasach air ur deanamh glic a chum slàinte; agus na leabhraichean is fearr a mhìnicheas an teagasgan, ’s a bheir iad a dh’ionnsuidh a chridhe le ùngadh agus le cumhachd. Cleachdaibh ùrnuigh thric agus dhùrachdach ris-san a gheall, agus a ’s urrainn, éifeachd a thoirt d’ a fhocal féin, agus am focal sin a dheanamh na mheadhon chum ’ur tionndadh d’a ionnsuidh fein, agus ’ur toirt a stigh d’a theaghlach, agus ’ur cuir an seilbh air beannachdan a chloinne. Nam [TD 60] bitheadh sibh a’ cleachdadh a cheart riasain agus bhreithneachaidh sin ann an nithibh spioradail a tha sibh a’ gnàthachadh ann an cùisibh na beatha so, nach feudamaid sùil a bhi againn gu’m bitheadh sibh glic gu aithghearr a thaobh Dhe, agus gu’m measadh sibh gu ceart, luach na nithe sin a tha diomhain agus a’ dol-seachad an coimeas ris na nithibh a tha mòr agus maireannach. Na ’m beachd-smuainicheadh sibh car tiota gach là, a’ feòraich dhibh fein, C’ àite am bi ’ur còmhnuidh trid siorruidheachd? ciod a ni sibh gu bhi air ’ur tearnadh? c’ arson a chruthaicheadh sibh, ’s a chaidh saorsa a cheannach dhuibh? ciod e ’ur fior staid agus ghne, agus cia e bunait ’ur dòchais a thaobh Dhe? cha n urrainn domh a smuaineachadh nach bitheadh sibh air ’ur toirt a dh’ ionnsuidh na staid sin anns am bheil seann nithe air dol seachad, agus na h-uile nithe air an deanamh nuadh. Na ’m bitheadh sibh ni bu tric a smuaineachadh, gu ’m bheil Dia mu ’n cuairt duibh, gu ’m bheil ùine a’ dlù dhol seachad, agus gu’n dean an bàs gu aithghearr ’ur n-athar achadh gu ’r staid shiorruidh,—gu ’m bheil am breitheanas dlùth aig laimh leis am bi ’ur sonas no ’ur dòrainn gun chrioch air a shuidheachadh,—gu ’m bheil peacaidh agaibh ri bhi air am maitheadh, truailleachd r’a ghlanadh air falbh, dleasnasan r’an coimhlionadh, cunnartan r’an seachnadh, cunntas r’a thoirt seachad, agus staid shiorruidh ri còmhnuidh a [TD 61] ghabhail innte;—na ’m bitheadh sibh mar so a’ beachd-smuaineachadh air na nithibh so gu tric, gu suidhichte, agus le ùrnuigh, dh’ fheudadh dòchas a bhi againn gu ’n gabhadh ’ur riasan féin ris na nithe a bhuineas d’ ur sìth shiorruidh, mar uile-chudthromach; agus an déigh dhuibh smuaineachadh air ’ur slighibh, gu ’m pilleadh sibh ’ur cosan ri teisteasaibh Dhe, gu’n deanadh sibh cabhag agus nach bitheadh sibh màirnealach, chum àitheantan a choimhead. Ach tha mi toirt fa ’near, IV. Ann an toirt géill do ’n àithne ’s an stéigh-theagaisg gu’m bheil deuchainnean agus buaireannan anns an rathad. Tha iad so air am filleadh a stigh ann an càinnt ar Slànuighear, Deanaibh spairn gu dol a stigh air a gheata chumhann. Tha stri ri dheanamh. Tha iadsan a tha ’san staid a th’ air a cumail a mach ’s a’ bhonn-teagaisg air an cuartachadh le buaireannaibh gu dearmad a dheanamh airna meadhonaibh a chum dol a stigh air a gheata chumhann. Is trìc a rinn sibh dearmad air ’ur dleasnais air sgàth subhachais, no gnothaichean saoghalta, no cuideachd ann-diadhaidh. Agus, an uair a bha Spiorad De a’ bualadh aig doras ’ur cridheachan, is trìc a dhiult sibh a leigeil a stigh, agus a chuir sibh na aghaidh gus am bitheadh ùine agaibh o dhiomhanasaibh, o chùram, agus o shubhachais na beatha so. Cia mar tha uile uairean an latha, agus na seachduin, [TD 62] agus na bliadhnadh air an toirt a suas le mìltibh? Tha an éiginn cheudna a bh’ ann, an dé, an diugh ann mar an ceudna, agus bithidh i ann am màireach; tha ’n aire air a togail, agus an ùine air a caitheadh gun smuain air neimh gus am bi i air a call, no air ìfrinn gus am bi an t-anam innte. Cha ’n ann umpasan amhàin a tha mi a’ bruithinn a dh’ fhanas air falbh o ’n tigh-aoraidh air an t-sàbaid, mar gu ’m bitheadh tuille ’s a chòir a dh’ ùine aca feadh a chuid eile do ’n t-seachduin gu smuaineachadh mu ’n anamaibh, agus a chaitheas an latha naomha sin a’ sraidimeachd agus ri fearas-chuideachd, no ri gnothaichibh saoghalt, ris gach gniomh a chumas iad o smuaineachadh suidhichte agus cudthromach, agus a lionas a suas uile uairean diomhain agus neo-chinnteach am beatha, ann an dearmad air Dia agus air siorruidheachd. Tha gu leoir ann a thuille air so a chumail na h-inntinn air falbh o Dhia. Agus cha’n’eil a h-aon ’n ar measg nach faod ni éiginn fhaotainn a bheir air falbh ar ’n ’aire o dhiadhachd. Ni mò tha ’n ni so, ge b’e air bith e, neo-chunnartach a chionn gu’m bheil e laghail ann féin, fhad ’s a tha e air a chumail ann an co-sheasamh dligheach ri cùisibh a’s àirde: feudaidh e bith gur ni e air nach còir dhuinn dearmad a dheanamh, a tha togail suas ar ’n ùine agus ar smuaintean, ’s nach ’eil a’ fàgail againn ùine no iartas gu smuaineachadh idir air an ni sin a’s luachmhoireadh na an saoghal. [TD 63] Ach os barr, tha iomadh ni eile ann a tha na chulaidh bhuairidh dhuinn gu dearmad a dheanamh air slàinte ar n-anama. Dhiu so tha codal a pheacaidh a tha na luidh gu tròm air gach neach neo-iompaichte, agus ann an oidheirp a Bhuaireadair ar cumail ’n ar suain. Agus Oh! cia tròm a dh’ fheumas e bhith air a mhuinntir neo-iompaichte ’n uair a tha a mhuinntir is mò iomagain ga fhaireachdainn cho duilich r’a chrathadh dhinn; ’n uair nach ’eil e air fhuadach air falbh le smuaintibh man chunnart d’ am bheil sinn a gnà buailteach, na h-oibre a th’ againn ri dheanamh, agus na siorruidheachd a tha dlùth dhuinn. Cia trom a dh’fheumas e a bhith, ’n uair, le anmaibh ri bhi air an iompachadh, agus maitheanas fhaotainn ann, firinnean ri bhi air am foghlum, neamh ri bhi air a seilbheacha, agus peanas an dara bàis ri bhi air a sheachnadh, agus gidheadh faodaidh muinntir a bhi ag èisdeachd ris na chaidh a labhairt agus ris na ghabhas labhairt a tha nan trom-shuain, agus nach dùisg mo ghuth-sa a choidhch! Agus mo thruaighe! tha iomadh beachd mearachdach agus marbhatach aig nàmhaid ar n-anama chum an t-suain so a dheanamh na’s truime. Feudaidh e bhith gu’m bheil sibh fein am beachd, nach’eil an t-atharachadh cridhe, staid, agus gne, a tha air fhilleadh a stigh ann an ath-ghinmhinn idir feumail: no nach eil ’ur nadur co truaillidh ’sa tha air a chumail a mach; agus [TD 64] nach’eil feum agaibh air cumhachd os-aird a chum athnuadhachadh agus a naomhachadh; a dheanamh a rìs sgiamhach leis an iomhaigh a chaille gu tur: no, feudaidh e bith, gu’m bheil sibh a’ smuaineachadh nach ’eil naomhachd co feumail ’s is àill le cuid sibh a chreidsinn, agus nach dean an Ti a tha uile-thròcaireach peanas air aon da chreatairean air son laigse agus neo-iomlaineachd an nàduir: no, ged’ tha ’ur neo-iomlaineachd mòr, nach eil sibh co olc agus co gràineil ’s gu’m bheil sibh buailteach do pheanas; agus gu’n d’rinn bàs Chriosd réite air son nan uile: no, feudaidh e bhith gu’m bheil a chuid a ’s fearr a’ tuiteam anns na peacannaibh anns am bheil sibhse ciontach, ’s nach ’eil iad air an aobhar sin ’nan comharan cinnteach air staid neo-iompaichte. Tha iad so, agus iomadh mearachd eil a’ meudachadh suain agus fein-mhealladh a pheacaich, agus ga dheanamh neo-chomassach dha dol a stigh air a gheata chumhann eadhon an uair a bheir e oidheirp. Tha buaireadh eiginn a fhuair caidreabh, no uabhar agus fein-fhoghainteachd anns a chridhe, no mearachd eiginn anns an tuigse, a tha deanamh uile bhagraidhean lagha Dhe, agus gach foillseachadh uime fein, agus mu’n t-siorruidheachd a tha e ag aiteachadh, neo-eifeachdach gu a dhùsgadh o bhas spioradail, agus gu a bhrosnachadh gu shlainte iarraidh.