[TD 1] MARBHRANN Do’n Urramach NIAL KENNEDIE, A BHA ’N SGIRE LAGAIDH; AGUS MAR AN CEUDNA, Do’n Urramach Mr Domhnull Friseal, A BHA’N SGIRE CHNOC-MHUIRE. LE HUISTEAN FRISEAL, AN SGIRE URRADH. Inbhirnis: CLODH-BHUAILTE LE ALASTAIR FRISEAL. 1836. [TD 2] [Bàn] [TD 3] MARBHRANN Do’n Urramach NIAL KENNEDIE, A bha ’n Sgire Lagaidh. Thainig naigheachd bho thuath oirnn Chuir fo thurs’ so fo ghruaim sinn an tras’; Mar long air na cuaintean, Fo mhulad, ’s fo bhruaidlean air snamh; ’Si gun acfhuinn, gun stiuir oir, Gun chrann, gun shiuil oir gu h-ard; Gun ramh, gun iomairt stiuiridh, No fear-iuil bheir gu call’ i gu tamh. ’S ionnan sud ’s mar a thachair Ann an Sgire Lagaidh so thall: Dh’ fhalbh a fear stiuridh, ’s fear-taice, ’S cha bu leir gus a nis iad an call. An coinnlear or a bha boilsgeant Mar dhiamond an cuil bhiodh dorch, Cha bu leir ach a phairt e— Rinn an smaladar ’n tras’ dhoibh i balbh. Thainig Garnail an fhionain A dh’ amharc air foin-lios na’n geug: Thug a freumh a chraobh fhiachar Air ’n robh meas b’fhiachar bha fialaidh do’n treud. Tha i nis ann am Pharas Fo bhla agus mheas oir as-ur, Le braona’ falluis a Gharnail, ’S gach la aig ’dhi gloir agus cliu. Their luchd-aidich gun ghradh annt’ Nach d’ fhuair ’na mheas aluinns’ am blas: Gu’n do labhair mi dana; Ach reir mo chreidimhs’ ’n tras’ tha e ceart. [TD 4] Bu mhaith an cibear air treud thu, ’Stiuireadh tu ’n treud a biodh mall, Toirt tuigs’ agus leirsinn Do’n chuid a bha ’n eis ’sa bha dall. Stiuireadh tu an treud ud Le eud air na cluaintean a ’s fearr, Bheireadh bainne do ’n oigridh, ’S biadh laidir do’n t-seors’ leis am b’aill. Bheireadh dhoibh nitheana diomhar, ’S glan chruithneachd ’m pailteas gu’n riar As a chruaidh charaig mil dhoibh ’Am pailteas gu leor dhoibh gu’n diol. B’e do thlachd a’s do mhiann e, Bhi ’gam biadhadh ’s ’ga’n lianadh le lon, ’N cois na h-aibhne mar fhiona Tha ’sruthadh bho’n Righ-chaithir-mhor. B’e do mhiann dhoibh ri ol An leor as na h-uisgeachan maith, Choisgeas miannan na feola, ’S gach seors’ anamhiann a tha stigh. Aig cuilm agus ordugh Bu bhoidheach a thaisbeanadh gaoil, Dh’a ’n aois ’us dha ’n oigridh, ’N gaol brath’rail g’a thaisbeanadh saor. Bhiodh na Cuiberinnean dubailt Co dhiubh leis a chuid leis am b’aill; ’S fuigheal mor bhiodh air chul aig’, Do na chuid bha diultadh an slaint. B’l marachd na’n steud Le strian ’us diallaid ’s each geal; ’Se ’n armachd an Righ, Le clogaid, targaid, ’s sgiath chum ’chath.’ [TD 5] Suaic’neas foda ’na ghnuis, Leine chaol ’us a grinn agus geal. Coisbheart soisgeul na sith air, Brogan riomhach tha ciatach ’us maith O sibhse a tha gach la Fo chibear soisgeul mar threud, Deanaibh feum anns an la dheth Mus sgar ’m bas sibh ’n cabhaig bho cheil ’S mu deireadh bhi a caoidh Ri theagasg nach d’aom mar bu choir, ’S bhi air n-ur claoidh ann am piantan Eadar chnamhan, ’us fheithean, ’us fheoil. ’Sann oirnn tha ’n druigheachd da rireadh, ’M feadh ’s tha cothrom, ’us tim, agus slaint ’Sa spiorad a strigh ruinn, Bhi ghna ’gabhail tim agus dail. ’Nuir tha an soisgeul ann ’n Sgire, Le macmheanmain ’s fein bi’dh iad bla’; ’Cuir dochas mus crioch iad, Gu’n toir ’n cib’ear iad sith’cht thar mhur lan. ’S mor a a mhisneachd an cibear, Leis a Bhiobul ’se mhisneachd a’s fearr, Ach mhisneachd ’s fearr dheth na tri dhuibh, Bhi duinte ri Chriosd roimh na bhas. ’Se thachair dh’a Ionah, Bha dhochas gu mor ’san luibh sgail; Thaobh a cheann rinn e chnodach, ’Nuair dh’ eirich an teas anns san la. Ach bha miorbhuilean diomhar Ann an suidheachadh riaghlaidh a ghras Chnuimh ’na bhun gun ’chrion e, ’S teas ghaoth bho ’n ear thug a bhas. [TD 6] ’Nuair tha ’n soisgeul ’go-nar fagail, ’Sa [?]asachadh mach as an tir; Ionnan mar an luidh sgail ud, Gu’n d’fhannaich air Ionah ’se cli. O cuimhnich na thra air, Sibhs’ aig ’m bheil sgail os ’ur ceann, ’S dean’aibh feum anns an la deth, Mu’n tig ’m bas oirbh ’n cabhaig ’sa ghleann. ’Feadh sa tha la na slaint ann, ’S tairgs’ na’n grasan cho saor, ’S mun dean an cib’ear n-ur fagail, ’S gu’m fannaich san la, ’s gu’m bi clith. An lios a ’s maisich le fluirean, Leis ’n dubhlachd gu’n lub iad an ceann: Mar sud d’a phlantanan urmhor, Tha sud ciuirt ’s ro-ghort dhoibh ’san am: Ach tha gealladh ro-ghrasmhor Leis an Ti rinn a bearnsa le beum; Sliochd an fhirean nach faillig ’S nach fag E gu brath iad, ’s nach treig. O thoir dhomh tuigs’ gu bhi ’g iarraidh, Ach ni bhios chum criochan do ghloir. ’Se mo dhurachd ’us m’ iarrtas Dheth do sprutan bhi ’lionadh do chot. Gu’n tig dheth ’n ungadh bha aig Samuel Air Daibhidh a mhan b’e mo mhiann, Air do mhac ’tha ’na t-aite, ’S nach cuireadh a h-aon ach Saul e ’sios. O thoir dh’a gliocas a’s grasan, ’S manntal an faidh ’thighinn a sios, Bha air Elisha ’n uair dh’ fhagadh Aig Iordan e ’nam dh’a bhi trial. [TD 7] ’Se nar creideamh, na dh’fhag sinn, Gu’m b’e iarrtnas gu brach dh’a, ’sa mhiann, Cuibhrionn dubailt do ghrasan, ’N dilib ’s fhearr tha fo’n ghrian. O thoir dh’a tuigs’ gu bhi ’g iarraidh ’Na cheud iarrtnas an gliocas gach lo, ’S bhi ’na stiubhardachd fialaidh Dha na phobull thug gradh dha cho mor. ’S rinn an roghainn a ’s fearr dheth, Bhrigh altrum ’s fhas ris an uisg; ’S ma chaidh ’n ungadh le gras air, Bidh blath air gun dail agus meas. O biodh a theagasg mar uisg dhoibh, Tha taiseachadh sgribean an fhonn; No mar ur-dhealt na madainn, Air a mhaoth-lus ’na luidh gu trom. ’Se na shioladair focail ’Ga fhrasadh ’s ’ga sgapadh le fuaim; ’S ged rachadh deurach a mach leis, Bi’dh aoibhneas toirt dachaidh na sguaib. ’San dream tha fo churam, Thoirt gu tric fo ’n glun gu cathair-ghras; ’Sa ghna cuir uisg ur air, ’S bi’dh dochas gur dlu thig am fas. Le gaol ath’rail ’ga thaladh, Le blaths ’ga tharruing ’n-ar n-uchd: ’S che ’n’eil mi m’fhiosaich, thig bla’ air; Mar ur-ros a gharaidh gu mhoch.