[TD 1] LEABHAR: AIR SON NA DARA BUIDHNE ANNS NA SGOILIBH GAE’LACH GLUASADACH. AIR A CHUR RI CHEILE LE FRAING M‘BHEATHAIN. Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an coir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean cha treig e i.—Gnath-fhocail xxii. 6. Easan a ghradhaicheas foghlum, gradhaichidh e eolas. Gnath-fhocail xii. 1. Agus theagaisg iad ann an Iuda, agus leabhar lagha an Tighearna aca; agus chaidh iad mu’n cuairt air feadh uile bhailtean Iuda, agus theagaisg iad an sluagh.—2 Eachdraidh xvii. 9. DUNEIDIN: AIR A CHLO-BHUALADH AIR SON A’ CHOMUINN A THA CUMAIL SUAS NAN SGOILEAN GAE’LACH ANN AN GAELTEACHD AGUS EILEAN. AIBH NA H-ALBA. 1824. [TD 2] [Bàn] [TD 3] Focail Thri, Cheithir, agus Chuig earrannan. ab-ach-adh ab-stol-achd ac-ar-achd ach-mhas-an adh-al-tran-as adh-arc-ach adh-lac-adh ag-ar-tas àibh-ir-sear ai-bi-dil aid-each-adh aigh-ear-ach àil-ghios-ach àill-eag-an aim-beart-ach aimh-leas-ach aimh-reit-each aim-sir-eil ain-eol-ach aing-idh-eachd ainm-each-adh ainn-is-eachd àird-e-deas àird-e-tuath àird-an-ear àird-an-iar aith-reach-as aithn-each-adh al-trum-ach-adh al-tach-adh al-tach-adh-beath-a am-ar-bruth-aidh a-na-caith-eadh a-na-ceart-as a-na-cneasd-a a-na-co-throm a-na-goir-eas-ach an-aoibh-inn an-aoibh-inn-each an-dàn-a [TD 4] an-dàn-ad-as an-diadh-aidh an-diadh-achd an-earbs-a an-earbs-ach an-mhainn-eachd an-iochd-ar àn-rath-nach an-shoc-air an-tog-radh an-trom-aich an-trom-ach-adh an-dòch-as aoidh-eal-achd aor-nag-an aon-ar-an aon-fhillt-eachd aon-inn-tinn àrd-aing-eal àrd-bhreith-eamh àrd-cheann-as àrd-chomh-airl-e àrd-chumh-achd àrd-inbh-each àrd-inn-tinn-each àrd-shag-art àrd-shean-adh àrd-uachd-ar-an àrd-ùgh-dar-as as-lach-adh ath-air-cèil-e ath-ais-each ath-arr-ach-adh ath-bheoth-ach-adh ath-cheann-aich ath-chuing-e ath-dhìol-adh ath-ghoir-id ath-ghin-eamh-uinn ath-iarr-tas ath-leas-ach-adh ath-leas-aich ath-nuadh-aich ath-nuadh-ach-adh ath-sheall-adh ath-shealbh-aich [TD 5] ath-sheach-ran bac-na-ruidh-e bac-na-h-ios-guid bach-lag-ach bad-mull-aich bàigh-eal-achd ball-àbh-achd-ais bal-amh-airc ball-mag-aidh ban-al-trum ban-al-trum-achd ban-adh-al-tran-ach ban-a-char-aid ban-a-chliamh-uinn ban-a-mhaigh-stir ban-stìubh-ard ban-tuadh-an-ach baoth-shùg-radh bàs-ach-adh bàs-mhor-achd beachd-ach-adh bean-bainn-se bean-chinni-dh bean-ghlùin-e bean-shiubhl-aidh bean-uas-al beath-ach-fiadh-aich beath-ach-adh beoth-ach-adh beoth-al-achd biadh-maidn-e biadh-nòin biadh-feasg-air biadh-siubh-ail biadh-brist-e bith-bhriathr-ach bith-bhuan-tachd boir-ionn-ach bolg-shaigh-ead braigh-dean-as brat-sgàil-e brat-speil-idh brath-air-ath-ar [TD 6] brath-air-màth-ar brath-air-cèil-e breith-ean-as breith-buidh-each-ais breith-neach-adh breug-air-eachd bros-nach-adh bruaid-lean-achd brùid-eal-achd buach-aill-eachd buadh-al-achd buair-eas-ach buan-mhair-eann-ach buil-each-adh bun-ailt-each bun-ailt-eachd cabh-ag-ach càil-eig-in càil-eachd-an caill-each-oidhch-e caillt-ean-ach cais-reag-ach caith-e-beath-a caith-ream-ach caith-ris-each camh-an-aich camp-ach-adh caoch-laid-each caoin-shuar-ach caomh-al-achd car-ach-adh car-than-achd cath-air-rìogh-ail cead-aicht-e cealg-air-eachd ceann-airc-each ceann-feadh-na ceann-laid-ir ceann-sach-adh ceas-nach-adh ciall-ach-adh cìr-mheall-a clach-air-eachd clach-ois-inn [TD 7] clars-air-eachd clo-bhual-adh clach-shneachd-a clach-mheall-ain clach-mhuil-inn cluaint-ear-achd cluais-fhàin-e cnuimh-eag-an cobh-art-achd coimh-ear-snach coimh-ead-achd co-fharp-uis co-fhreag-radh coimh-lion-adh coin-eall-ach cois-rig-eadh comh-lach-adh comh-air-leach co-aont-aich co-chreut-air co-dhùn-adh co-fhlaith-eachd co-fhreag-radh co-fhul-ang-as co-fhurt-’ear co-luad-ar cor-ra-bhàn cor-ra-ghlas craobh-sgaoil-eadh crìoch-naicht-e crith-thalmh-ainn crith-reoth-adh cruinn-each-adh cruth-ach-adh cruth-ath-arr-ach-adh cuairt-each-adh cud-throm-ach cuil-bheart-achd cuimh-neach-adh cùl-chàin-eadh cùl-sleumh-nach-adh cumh-achd-ach daing-neach-adh daon-achd-ach [TD 8] deadh-bheus-ach deadh-iom-radh dearg-las-adh deas-pair-eachd diadh-aidh-eachd dì-chioll-ach di-chuimh-neach diogh-alt-air diòmh-air-eachd doil-gheas-ach do-leas-aicht-e dors-air-eachd dor-uinn-each do-thuig-sinn dubh-aig-ean duil-ich-inn dùr-achd-ach ea-dar-ghuidh-e ea-dar-mheadh-on-fhear ea-dar-mhìn-each-adh ea-dar-sgar-achd-uinn ear-al-ach-adh eas-aon-achd eas-bhuidh-each eas-ìon-raic eas-ùmh-lachd èig-neach-adh eis-im-pleir eus-aont-as fàbh-ar-ach fad-fhul-ang-ach faic-ill-each fàilt-each-adh fair-each-adh fall-ain-eachd fann-ach-adh fàs-ach-adh fear-saor-aidh fèin-fhios-rach-adh feòl-mhor-achd fionn-air-eachd [TD 9] fìr-inn-teachd fòg-arr-ach foigh-id-neach foills-icht-e foir-eig-inn freumh-ach-adh frith-eal-adh fuar-chràbh-adh fuil-eachd-ach furt-ach-adh gàir-deach-as gàir-eachd-aich gairm-choil-each gairm-èif-eachd-ach gairm-pòs-aidh gaoth-a-deas gaoth-a-tuath gaoth-a-n’ear gaoth-a-n’iar geal-ach-ùr geal-ach-adh geall-daìng-neach-aidh geò-cair-eachd geur-fhios-rach geur-leanmh-uinn geur-mhoth-ach-adh geur-rann-sach-adh gin-eamh-uinn gior-ach-adh gliong-ar-saich gnàth-ach-adh gnàth-fhoc-al greadh-nach-as grunn-ach-adh iar-guin-each ion-al-tradh ìnn-leachd-ach ìnn-tinn-each iom-a-gain-each iom-chuidh-eachd [TD 10] iom-luasg-adh iom-rait-each iom-sgar-adh iong-ant-ach ion-rac-an ir-is-leachd ir-is-leach-adh it-eal-aich iunn-sach-adh lag-chridh-each laimh-seach-adh làmh-choill-e làmh-sgrìobh-aidh làn-fhios-rach làn-shoill-eir làth-air-eachd lean-bhuinn-each leann-an-sìth leann-an-achd leth-trom-ach lèir-sinn-each leis-geal-ach leth-iom-all-ach leubh-ad-air leum-nach-uaine leas-ach-adh lion-eud-ach lion-mhoir-eachd lit-ir-dheal-ach-aidh long-bhrist-eadh luchd-coimh-id-eachd mac-ant-achd mad-adh-all-uidh maigh-deann-a maigh-stir-sgoil-e màir-neal-ach maith-ean-as mall-ach-adh mas-lach-adh màth-air-aobh-air meall-tair-eachd meanbh-chuil-eag mear-achd-ach meas-ar-achd [TD 11] meor-ach-adh meud-aich-ear meud-aich-idh mi-bhuidh-each-as mi-chaoimh-eil mi-chliuit-each mi-chreid-imh mi-dhiadh-aidh mi-dhleas-an-ach mi-dho-chas mi-fhall-ain-eachd mi-fhaighd-inn mi-fhort-an mi-fhort-an-ach mi-fhur-ach-air mi-gheim-nidh mi-ghnàth-aichte mi-ghoir-eas-ach mi-iom-chuidh mi-lagh-ail mi-mhais-each mi-mhis-neach mi-mhodh-ail mi-naomh-achd mi-nis-treal-achd mion-ach-adh mior-bhuil-each mì-shiobh-alt-a mi-shoc-rach mi-thaing-eil mi-thait-neach mi-thuigs-each mòr-al-achd mòr-chuis-each moth-ach-adh moth-ach-ail muin-ghin-each muinn-tear-as nàb-uidh-eachd naomh-ach-adh nath-air-nimh-e neart-ach-adh neo-air-idh neo-àr-aidh [TD 12] neo-bhàs-mhor neo-chaoch-laid-each neo-chealg-ach neo-choir-each neo-chinnt-each no-chrioch-nach neo-chomas-ach neo-gheim-nidh neo-ghlain-e neo-ghoirt-icht-e neo-ghràs-mhor neo-shòl-as-ach neo-thait-neach neo-tharbh-ach neo-thim-chioll-ghearr-adh neo-thim-chioll-ghèarrta neo-thoillt-inn-each neo-thorr-ach neo-thuigs-each nigh-ead-air-eachd nuadh-aicht-e ob-air-ghrèis ob-air-shnàth-aid ob-air-thein-e ob-air-uisg-e òg-luidh-eachd òg-mhad-uinn oid-iunn-saich oil-thir-eachd oir-chios-each òir-dheirc-eas òr-an-mol-aidh painn-tir-eachd pàirt-each-adh pìob-air-eachd pòit-eir-eachd priomh-ath-air priomh-uachd-ar-an prìos-an-ach pung-al-achd rag-mhuin-eal-achd rag-air-eachd [TD 13] ràit-each-ail ràit-each-as ranns-ach-adh rèit-each-adh reus-an-ach-adh riagh-ailt-each riar-ach-adh rìgh-chaith-ir rìogh-ach-adh ro-bheart-ach ro-bhàigh-eil ro-chùr-am-ach ro-dhùr-achd-ach ro-thait-neach ro-thal-mhaidh roi-aith-nich roi-chraic-ionn roi-òrd-ach-adh roi-sheall-adh ruag-air-eachd rùn-diomh-air sàbh-al-adh sag-art-achd saoibh-ir-eachd saìgh-dear-achd samh-lach-adh sannt-ach-adh saobh-chràbh-adh saobh-chreid-imh saogh-alt-achd saors-ainn-eachd saoth-ach-ionn-laid sàr-mhais-each seach-ran-ach sealbh-ach-adh sealg-air-eachd seann tiom-nadh sear-man-ach-adh sear-main-ich-e seasg-air-eachd seò-mar aoidh-eachd sgar-achd-ainn sgead-acha-dh sior-iarr-aidh sior-losg-adh [TD 14] siorr-uidh-eachd slàn-uigh-ear slat-rìogh-ail slat-shuaich-ean-tais sleamh-nach-adh smuaint-each-adh so-aom-adh so-dhean-amh soill-eir-eachd so-iom-chair soi-sgeul-ach sò-las-ach speur-ad-air speur-ad-air-eachd spior-ad-ail sràid-im-eachd subh-ach-as tàbh-achd-ach taimh-neul-ach tairbh-eart-ach tair-is-neachd tais-bean-ar tàm-ailt-each taois-neach-adh tart-mhoir-eachd tabh-unn-aich teachd-an-tìr teachd-air-eachd teann-ach-adh teug-mhail-each tigh-earn-as tigh-eir-id-inn tim-chioll ghearr-adh tinn-eas-cloinn-e tiodh-lac-adh tiorm-ach-adh toi-bheum-ach toil-inn-tinn toir-bheart-as toir-measg-adh treòr-ach-adh trì-fich-ead triob-laid-each trò-cair-each [TD 15] trom-inn-tinn-each tromp-air-eachd truaill-idh-eachd truagh-an-tachd tuain-eal-ach tul-chuis-each tunn-ag-fhiadh-aich uachd-ar-an-achd uair-ead-air ull-ach-adh ùgh-dar-as uil-e-bheann-aicht-e uil-e-chumh-achd-ach uil-e-fhios-rach uil-e-ghlòr-mhor uil-e-iom-lain-eachd uil-e lath-air-each uil-e-leir-sinn-each uisg-each-adh ùmh-lach-adh urr-am-ach ur-choid-each ùr-ghàir-deach-as ùr-lar-bual-aidh ùr-labh-radh us-graich-ean ùt-rais-each [TD 16] Feumaidh an sgoil-eir na h-air-eamh-nan so iunn-sach-adh, mun d’theid e ni’s fhaide air agh-aidh; oir tach-ar-aidh iad air anns na leasain a lean-as, agus anns an ath Leabhar. Aon. 1 I Dhà. 2 II Tri. 3 III Ceithir. 4 IV Cuig. 5 V Sea. 6 IV Seachd. 7 VII Ochd. 8 VIII Naoi. 9 IX Deich. 10 X Aon deug. 11 XI Dhà-dheug. 12 XII Tri-deug. 13 XIII Ceithir-deug. 14 XIV Cuig-deug. 15 XV Sea-deug. 16 XVI Seachd-deug. 17 XVII Ochd-deug. 18 XVIII Naoi-deug. 19 XIX Fichead. 20 XX Deich ’ar Fhichead. - 30 XXX Dà Fhichead. - 40 XL Dà fhichead ’sa deich. - 50 L Tri fichead. 60 - LX Tri fichead ’sa deich. - 70 LXX Ceithir fichead. - 80 LXXX Ceithir fichead ’sa deich. 90 XC Ceud, no cuig fichead. - 100 C Dà cheud, no deich fichead. 200 CC Cuig ceud. - 500 D Mìle. - 1000 M [TD 17] Do bhrì gu’m feum an sgoileir na nithe so a leanas iunn-sach-adh, agus an tuig-sinn, mu’n d’theid e ni’s fhaide air agh-aidh, is còir do’n fhear-theag-aisg, saoth-air a ghabh-ail a chum am mìn-each-adh do’n sgoil-eir. Tha trì deug do dh’fhogh-aire dù-bailte, agus cuig fogh-aire trì-fillte anns a’ Ghaelic Na fogh-aire dùbailte ae, ai, ao, ea, ei, eo, eu, ia, ìo, iu, oi, ua, ui. Na foghaire trì-fillte aoi, eoi, iai, iui, uai. Aig naoi de’n a fogh-aire dùbailte, ai, ea, ei, eo, ia, io, iu, oi, ui, tha caoch-ladh do dh’fhuaim-ibh air leth; ach aig ceithir dhiubh, ae, ao, eu, ua, cha’n’eil ach aon fhuaim, mar sin neo-chaoch-laid-each. Tha aon fhuaim air leth, agus neo-chaoch-laid-each; aig gach aon de’na fogh-aire trì-fillte, agus a ghnàth fada. Tha fuaim fhada ghnàth aig ae, eu, ia, ua, agus is ain-eamh a tha fuaim goir-id aig ao. ach aig a chuid eile de’na foghaire dù-bailte, tha mar-aon, fuaim fada, [TD 18] agus goir-id. Tha an riagh-ailt so a leanas, a feuch-ain lionn-mhor-achd nam fuaim-ibh, a th’aig na fogh-aire dùbailt air leth. Aig. ae, ao, eu, ua, cha’n’eil ach aon fhuaim. Aig. ia, tha trì fuaimean. Aig. eo, iu, ui, tha ceithir fuaimean. Aig. ai, io, tha cuig fuaimean. Aig. ei, tha seachd fuaimean. Aig. oi, tha ochd fuaimean. Aig. ea, tha naoi fuaimean. Cha’n’eil fuaim na dara litir, ann an eo agus eu, aig àm air bith air a chluinntin. Tha eis-im-pleir-ean air an duileig eile a tha soill-eir-each-adh gach caoch-ladh suidh-each-adh agus fuaim, a th’aig na fogh-aire dù-bailt. [TD 19] Tha an riagh-ailt so, a soill-eir-each-adh, caoch-ladh fuaim-ean, agus suidh-each-adh, nam foghaire dùbailte. Tha fuaim na’n litrichean ead-ailt-each, anns an riagh-ailt so goir-id. [Clàr] [TD 20] Tha na comh-fhogh-aire so, gu bith-eannt a’tach-airt anns a’ Ghaelic; air an aobh-ar sin is còir do’n sgoil-eir min-eòlas a ghabh-ail orra, bh, ch, dh, fh, gh, mh, ph, sh, th. ’Nuair a tha an h, air a ceang-al ri a h-aon de’na comh-fhogh-aire eile, tha iad a call am fuaim fein, agus anns an t-suidh-each-adh so, tha iad a faot-ainn fuaim eile; ni a shoill-eir-ich-eas an riogh-ailt so a leanas, agus a mhìn-ich-eas am fear-teag-aisg. Do bhrì ’nach eil rum anns an leabh-ar so, a mhin-each-adh mar a tha an teang-a air a cleachd-adh anns na fuaim-ibh aig na comh-fhogh-aire so; tha eis-im-pleir-ean air an tabh-airt air na fuaim-ibh. Comh-fhogh-aire. bh v bhuail, gabh. ch chaidh, rach. ch chì, eich. dh dhall, gràdh. dh y dheare. dh ràdh, bual-adh. fh fheara. gh ghabh. gh y gheibh. gh rìgh, sluagh. mh v damh, mhol. ph f phill. sh h shuidh, shaoil. th h thàinig. th maith, thusa. [TD 21] Is còir do’n sgoil-eir mar an ceud-na min eò-las a ghabh-ail air na stad-an-aibh so. An ceud stad , An dara stad ; An treas stad : An ceath-ramh stad . Ceist stad ? Iongantas stad ! Stad aig , fhad ’s a bhiodh tu ag radh aon. Stad aig ; fhad ’s a bhiodh tu ag radh aon, dhà. Stad aig : fhad ’s a bhiodh tu ag radh aon, dhà, trì. Stad aig . fhad ’s a bhiodh tu ag radh aon, dhà, trì, ceithir. GNATH-FHOCAIL. CAIB. I. EISDIDH duine glic, agus meudaichidh e fòghlum, agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice: Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg ni amadain tàir. A mhic, éisd thusa [TD 22] ri teagasg t’athar, agus na tréig lagh do mhàthar: Oir ’nan coron maise bithidh iad do d’ cheann, agus ’nan slabhruidhibh do d’ mhuineal. Cia fhad, a dhaoine baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? agus a ghabhas luchd-fochaid tlachd ’nam fochaid, agus a bheir amadain fuath do eòlas? Pillibh ri m’ achmhasan: feuch, dòirtidh mi mach mo spiorad dhuibh; ni mi aithnichte mo bhriathra duibh. A chionn gu’n do ghairm mi, agus gu’n do dhiùlt sibhse, gu’n do shìn mi mach mo làmh, agus nach d’thug duine sam bith an aire; Ach gu’n do chuir sibh an neo-brigh m’uile chomhairle, agus nach b’àill leibh a bheag do m’ achmhasan; Ni mise mar an ceudna [TD 23] gàire ri’r sgrios-sa; ni mi fanaid ’nuair a thig bhur n-eagal; ’Nuair a thig bhur n-eagal mar fhàsachadh, agus a thig bhur léir-sgrios oirbh mar iomghaoith; ’nuair a thig teinn agus cràdh-cridhe oirbh. An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach cha’n fhaigh iad mi; A chionn gu’n d’fhuathaich iad eòlas, agus nach do ròghnuich iad eagal an Tighearna. Cha b’àill leo bheag do m’ chaomhairle, rinn iad tàir air m’ach-mhasan uile. Uime sin ithidh iad do thoradh an slighe féin, agus lìonar iad le’n innleachdaibh féin. Oir marbhaidh claonadh nan daoine baoghalta iad, agus sgriosaidh soirbheas nan amadan iad féin. Ach ge b’e dh’éisdeas riumsa, gabhaidh e còmhnuidh an tèaruinteachd, agus bithidh e saor o eagal uilc. [TD 24] CAIB. II. A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathra-sa, agus ma dh’fholuicheas tu m’àitheanta maille riut; Air chor as gu’n aom thu do chluas ri gliocas, gu’n leag thu do chridhe air tuigse: Seadh, ri eòlas ma dh’éigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgiod, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar air son ionmhasan folaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dé: Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse. An sin tuigidh tu fireantachd, agus breitheanas, agus ceartas, seadh, gach uile dheadh shlighe. ’Nuair a théid gliocas a steach ann do chridhe, agus a bhios eòlas taitneach do d’ anam; Ni ciall do dhìonadh, coimhididh tuigse thu: Gu d’ shaoradh o shlighe an [TD 25] droch dhuine; o’n duine a labhras nithe fiara. Chum gu’n imich thu ann an slighe dhaoine maithe, agus gu’n gléidh thu ceumanna nam firean. Oir gabhaidh na h-ionracain còmhnuidh san tìr, agus fanaidh na daoine foirfe innte. Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-eusaontais as. CAIB. III. Is sona an dume a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse: Oir is fearr a ceannachd na ceannachd airgid, agus a buannachd na’n t-òr. Is luachmhoire i na na seudan, agus cha ’n’eil gach ni a’s urrainn thu mhiannachadh r’an coimhmeas rithe. Tha saoghal fada ’na làimh dheis; ’na làimh chli saibhreas agus urram. Is sligheanna subhachais a sligh- [TD 26] eanna, agus is sìth a ceumanna uile. Is craobh beatha i dhoibhsan a ni greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i. CAIB. IV. Is e gliocas an ni sònruichte; faigh gliocas, agus maille ri d’ uile fhaghail faigh tuigse. Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu h-urram thu, ’nuair a ghabhas tu a’d’ ghlacaibh i. Bheir i do d’ cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad duit. Leis gach uile dhìchioll gléidh do chridhe; oir as a sin tha sruthanna na beatha. Cuir uait am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fad uait. CAIB. VI. Imich a chum an t-seangain, a leisgein; thoir fa’near a shlighean, agus bi glic: Aig nach ’eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no riaghladair, A dh’ulluicheas a [TD 27] bhiadh san t-samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an-tìr san fhogharadh. Cia fhad a choidleas tu, a leisgein? c’uin a dh’éireas tu as do chodal? Fathast beagan codail, beagan clò chodail, beagan fillidh nan làmh gu codal. An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus t’uireasbhuidh mar dhuine fuidh armaibh. Duine nach fiu, fear aingidh, siubhlaidh e le beul ana-cneasda. Caogaidh e le ’shùil, bheir e sanas le ’chois, teagaisgidh e le ’mheuraibh. Tha aingealtachd ’na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a ghnàth; togaidh e aimhreit. Uime sin gu h-obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas. Na sè nithe so is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha [TD 28] seachd nithe nan gràinealachd d’a anam: Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach, Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, cosan a bhios luath a ruith chum uilc, Fianuis bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bhràithribh. CAIB. VIII. Nach ’eil gliocas ag éigheach? agus nach ’eil tuigse a’ cur a mach a gutha? Gabhaibh mo theagasg, agus ni h-e airgiod, agus eòlas thar an òr thaghta. Oir is fearr gliocas na na clachan luachmhor; agus cha ’n ’eil na h-uile nithe a dh’fheudar a mhiannachadh r’an coimhmeas rithe. Is e eagal an Tighearna an t-olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam. [TD 29] Iadsan aig am bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi, agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi. Air slighe a’ cheartais treòr-aichidh mi; ann am meadhon cheumanna a’ bhreitheanais; A chum as gu’n dthoir mi orra-san le’n ionmhuinn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan. Is beannaichte an duine a dh’éisdeas rium, a’ deanamh faire aig mo gheataibh gach là, a’ feitheamh aig ursainnibh mo dhorsa. Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deadh-ghean o’n Tighearna. Ach esan a pheacaicheas a’m’ aghaidh, ni e cron d’a anam féin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs. CAIB. IX. Tréigibh nithe amaideach, agus bithibh beò, agus imich- [TD 30] ibh air slighe na tuigse. Thoir teagasg do’n duine ghlic, agus bithidh e ni’s glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am foghlum. Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithe naomh, tuigse. Ma bhios tu glic, bithidh tu glic dhuit féin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu féin a mhàin a dh’iomchaireas e. CAIB. X. Ni làmh na leisge bochd; ach ni làmh nan dìchiollach beartach. Esan a chruinnicheas anns an t-samhradh, is mac glic e; ach esan a choidleas anns an fhoghar, is mac maslach e. Tha esan a choimhideas fòghlum anns an t-slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seacharan. Esan a cheileas fuath le bilibh cealgach, agus esan a labhras mi-chliu, is amadan e. [TD 31] Mar airgiod taghta tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar ni nach fiu. Ni beannachadh an Tighearna saibhir, agus cha chuir e doilgheas ’na chuideachd. Tha e mar shùgradh do’n amadan olc a dheanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse. Mar a théid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine ni’s mò; ach is bunait sìorruidh am firean. Cuiridh eagal an Tighearna ri làithibh duine; ach giorraichear bliadhnacha nan aingidh. Bithidh dùil nam firean ’na aobhar aoibhneis; ach théid as do dhòchas nan aingidh. Is neart do na h-ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd-deanamh na h-eucairt. Cha ghluaisear am firean gu bràth; ach cha ghabh na h-aingidh còmhnuidh air an talamh. [TD 32] Bheir beul an fhìrein a mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar. Tha fios aig bilibh an fhìrein air an ni a ta taitneach; ach labhraidh beul nan aingidh nithe fiara. CAIB. XI. Oibrichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aige-san a chuireas fireantachd bithidh duais chinnteach. Mar so tha fireantachd chum beatha; ach esan a leanas an t-olc, leanaidh e chum a bhàis féin e. Is gràinealachd do’n Tighearn iadsan a tha fiar ’nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic ’nan slighe. Ged ’iadhadh làmh mu làimh cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam firean. Mar fhail òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse. Tha miann [TD 33] nam firean a mhàin maith; ach is e dòchas nan aingidh fearg. CAIB. XII. Esan a ghràdhaicheas fòghlum, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach. Gheibh duine maith deadh-ghean o’n Tighearn; ach dìtidh e fear nan droch innleachd. Tha bean mhaith ’na crùn d’a fear; ach mar lobhadh na ’n cnàmhaibh tha ise a nàiricheas e. Bithidh cùram aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh; ach is an-iochdmhor truacantais nan aingidh. Easn a threabhas ’fhearann, sàsuichear le h-aran e; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse. Tha slighe an amadain ceart ’na shùilibh fein: ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic. Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas; ach foillsichidh [TD 34] fianuis bhreugach cealg. Tha dream ann a labhras mar lotaibh claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice. Bithidh bile na firinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga bhreugach ach car tiota. Is gràineileachd do’n Tighearna bilean nam breug; ach is iad an droing a ni gu firinneach, a thlachd. Is fearr am firean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seacharan iad féin. Ann an slighe na fireantachd tha beatha; agus ’na ceum cha n’eil bàs. CAIB. XIII. Eisdidh mac glic ri teagasg ’athar; ach cha’n éisd fear na fochaid ri achmhasan. Is beag air an fhìrean na breugan; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàirichear e. O uabhar a mhàin thig consach- [TD 35] adh; ach aig na daoinibh a ghabhas deadh chomhairle tha gliocas. Ni gach duine ciallach a ghnothuch le h-eòlas; ach leigidh an t-amadan ris ’amaideachd. Bochdainn agus nàire bithidh dhasan a dhiùltas fòghlum; ach an ti aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram. Is milis do’n anam am miann a choimhlionar; ach is beag air amadanaibh dealachadh ris an olc. An ti a shiùbhlas le daoinibh glic, bithidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan. Leanaidh olc peacaich; ach do na fireanaibh ìocar maith. CAIB. XIV. Imich as làthair an duine amaidich, ’nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais. Ni amadain magadh do’n pheacadh; ach am measg nam firean tha deadh-ghean. [TD 36] Tha slighe ann a chithear direach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis. Bithidh eagal air an duine ghlic, agus tréigidh e ’n t-olc; ach tha’n t-amadan borb agus dàna. An ti a ni tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an ti a ghabhas truas do na bochdaibh. Nach dthéid iadsan air seacharan a dhealbhas an t-olc? ach bithidh tròcair agus firinn acasan a dhealbhas am maith. Ann an eagal an Tighearna tha aobhar earbsaidh làidir; agus aig a chloinn bithidh dìdean. Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, chum dol as o lìontaibh a’ bhàis. An ti a tha mall chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian ’na spiorad, àrdaichidh e amaideachd. Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas [TD 37] tàmh; ach aithnichear an ni a ta ’n taobh a stigh nan amadan. CAIB. XV. Pillidh freagradh mìn corruich; ach dùisgidh briathra garg fearg. Cuiridh teanga nan daoine glic an céill eòlas gu ceart; ach dòirtidh beul nan amadan a mach amaideachd. Tha sùilean an Tighearna anns gach àit, ag amharc air na droch dhaoinibh agus air na deadh dhaoinibh. Is craobh beatha teanga fhallain; ach is briseadh spioraid fiaradh innte. Ni amadan tàir air teagasg ’athar; ach is ciallach an ti a bheir an aire do achmhasan. Ann an tigh an fhìrein tha mòran ionmhais; ach ann an teachd-a-stigh an aingidh tha buaireas. Sgaoilidh bilean nan daoine glic eòlas; ach cha dean cridhe nan amadan mar sin. Is gràineileachd [TD 38] do’n Tighearn ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnuigh nan ionraic a thlachd. Is gràineileachd do’n Tighearna slighe an aingidh; ach is ionmhuinn leis an ti a leanas an déigh fireantachd. Is searbh smachdachadh dhasan a thréigeas an t-slighe; ach gheibh esan le’m fuathach achmhasan, bàs. Tha ifrinn agus sgrios fa chomhair an Tighearna: cia mòr is mò na sin cridheacha chloinn nan daoine? Cha toigh le fear-fochaid esan a chronaicheas e; agus a dh’ionnsuidh dhaoine glice cha dthéid e. Ni cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a’ chridhe brisear an spiorad. Iarraidh cridhe an duine thuigsich eòlas; ach beathaichear beul nan amadan le amaideachd. [TD 39] Tha uile làithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a ghnàth an cridhe ait. Is fearr beagan le h-eagal an Tighearna, na ionmhas mòr, agus buaireas leis. Is fearr lòn do luibhibh, far am bi gràdh, na damh biadhta agus fuath leis. Dùisgidh fear feargach consachadh; ach esan a ta mall chum feirge, ciuinichidh e aimhreit. Tha slighe an leisgein mar ghàradh droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dheanamh réidh. Ni mac glic athair aoibhneach; ach ni mac amaideach tàir air a mhàthair. Is aobhar aoibhneis amaideachd dhasan a tha as eugmhais gliocais; ach imichidh fear na tuigse gu dìreach. Gun chomhairle, thig rùinte gu neo-ni; ach ann an lìonmhoireachd chomhairleach daingnichear [TD 40] iad. Bithidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheoil; agus focal ’na thràth, cia maith e! Tha slighe na beatha shuas do’n duine ghlic, chum dol as o ifrinn shìos. Sgriosaidh an Tighearna tigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na banntraich. Is gràineileachd do’n Tighearna smuainte dhroch dhaoine; ach is briathra taitneach briathra nam fior-ghlan. Bheir esan buaireas air a thigh féin, a tha sanntach air buannachd; ach bithidh esan le’m fuathach duais-bhratha, beò. Smuainichidh cridhe an fhìrein cionnus is còir dha freagairt; ach dòirtidh beul nan aingidh a mach droch nithe. Tha’n Tighearna fada o na h-aingidh; ach éisdidh e ri h-ùrnuigh nam firean. Ni solus nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deadh chliu [TD 41] smior do na cnàmhaibh. Gabhaidh a’ chluas a dh’eisdeas ri achmhasan na beatha, còmhnuidh am measg nan daoine glic. An ti a dhiùltas fòghlum, ni e tàir air ’anam fein; ach an ti a dh’eisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse. Is e eagal an Tighearna fòghlum a’ ghliocais; agus roimh urram tha irioslachd. CAIB. XVI. Tabhair t’oibre thairis do’n Tighearn, agus daingnichear do smuainte. Rinn an Tighearna gach ni air a shon fein, agus mar an ceudna an t-aingidh air son latha an uilc. Is gràineileachd do’n Tighearna gach neach a ta uaibhreach ’na chridhe: ge d’iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas. Trìd tròcair agus firinn glanar euceart; agus trìd eagail an Tighearna treigear an t-olc. [TD 42] An uair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighibh duine, bheir e air a naimhdibh fein a bhi ann an sìth ris. Cia mòr is fearr gliocas fhaotainn na òr, agus is ròghnuiche tuigse fhaotainn na airgiod? Roimh sgrios theid uabhar; agus roimh leagadh spiorad ardanach. An ti a ni gnothuch gu tuigseach, gheibh e maith: agus an ti a dh’earbas as an Tighearn, is sona e. Is tobar beatha an tuigse do’n ti aig am bheil i; ach is amaideachd fòghlum nan amadan. Ni cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilibh cuiridh e fòghlum. Is coron glòire an ceann liath, a gheibhear ann an slighe an ionracais. Is fearr an ti a ta mall chum feirge na gaisgeach, agus an ti a [TD 43] riaghlas a spiorad féin na esan a ghlacas ard-bhaile. 1 CAIB. XVII. Is fearr greim tioram, agus suaimhneas leis, na tigh làn do ìobairtibh maille ri h-aimhreit. An ti a cheileas cionta, cosnaidh e gràdh; ach esan a dh’aithriseas nì, dealaichidh e cairde. Drùthaidh achmhasan ni’s mò air duine glic, na ceud buille air amadan. Ge b’e dh’ìocas olc air son maith, cha dealaich olc r’a thigh. An ti a ta fiar ’na chridhe, cha’n fhaigh e maith; agus an ti a ta lùbach ’na theangaidh, tuitidh e ann an olc. Tha am mac amaideach ’na dhoilgheas d’a athair, agus ’na shearbhas dh’ise a rug e. Measar an t-amadan féin, ’nuair a bhios e ’na thosd, ’na dhuine glic; agus an ti a dhruideas a bhilean, ’na dhuine tuigseach. CAIB. XVIII. Théid bilean an [TD 44] amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillibh. Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe ’anama féin. Mar an ceudna an ti sin a ta leasg ’na obair, is bràthair e do’n mhillteir mhòr. Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am firean d’a ionnsuidh, agus bithidh e tèaruinte. Roimh sgrios bithidh cridhe duine uaibhreach, agus roimh urram bithidh irioslachd. An ti a bheir freagradh ann an cùis mu’n cluinn se e, is amaideachd agus nàire dha e. Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò is urrainn spiorad briste a ghiùlan. Gheibh cridhe an duine chrionna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glic eòlas. CAIB. XIX. Cha bhi fianuis bhreugach gun pheanas, agus sgriosar an ti a labhras breugan. [TD 45] Ni tuigse duine e mall chum feirge, agus is e a ghlòir amharc thairis air eucoir. Is aobhar doilgheis d’a athair mac amaideach; agus mar shìor-shileadh uisge tha aimhreitean mnà. Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chodal; agus fuilingidh an t-anam dìomhanach ocras. An ti a ghabhas truas do’n bhochd, bheir e air iasachd do’n Tighearna; agus an ni a bheir e uaith, ìocaidh e dha a rìs. Smachdaich do mhac am feadh a ta dòchas d’a thaobh, agus na caomhnadh t’anam air son a ghearain. Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlum, chum gu’m bi thu glic ann ad laithibh, deireannach. Treoraichidh eagal an Tighearna gu beatha, agus gheibh esan a bhios [TD 46] air a lìonadh leis fois; cha’n fhiosraichear le h-olc e. CAIB. XX. Is urramach an ni do fhear fantuinn o aimhreit; ach measgaidh gach amadan innte. Gluaisidh am firean ’na ionracas: sona bithidh a mhic ’na dhéigh. Aon chothrom agus cothrom eile, aon soitheach-tomhais agus soitheach-tomhais eile, is gràineileachd iad araon do’n Tighearna. Aithnichear eadhon leanabh le a bheusaibh, am bi a dheanadas glan, agus am bi e ceart. A’ chluas a chluinneas, agus an t-sùil a chi, rinn an Tighearn iad araon. Na gràdhaich codal, air eagal gu’n dthig thu gu bochdainn; fosgail do shùilean, agus sàsuichear thu le h-aran. Tha òr ann, agus mòran do chlachaibh luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud a’s luach- [TD 47] mhoire. Ge b’e mhalluicheas ’athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais. CAIB. XXI. Ceartas a dheanamh agus breitheanas, is ròghnuiche leis an Tighearna na ìobairt. Is peacadh sealladh ard, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh. Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich, is dìomhanas e air a luasgadh a null agus a nall aig an droing a dh’iarras am bàs. Is fearr còmhnuidh a ghabhail ann an oisinn mullaich tighe, na maille ri mnaoi aimhreitich ann an tigh farsaing. Bheir am firean an aire gu glic do thigh an aingidh: tilgear na h-aingidh bun os ceann air son an aingidheachd. An ti a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e féin mar an ceudna, ach cha’n éisdear ris. Is aoibhneas do’n fhìrean breith- [TD 48] eanas a dheanamh na-h-euceirt. Is fearr còmhnuidh a ghabhail ann am fàsach, na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich. An ti a leanas fireantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fireantachd, agus urram. CAIB. XXII. Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh fad uaith i. An ti a shàruicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin féin, agus an ti a bheir do’n t-saibhir, thig e gu deimhin gu h-uireasbhuidh. Aom do chluas, agus éisd ri briathraibh dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa. Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàruich an truaghan anns a’ gheata: Oir tagraidh an Tighearn an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhill- [TD 49] eas iad. Na h-atharraich an seann chomhara-crìche, a shuidhich t’aithriche. CAIB. XXIII. Na h-atharraich an seann chomhara-crìche, agus air achaibh nan dìlleachdan na bris a steach: Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis a’t’ aghaidh. Aom do chridhe ri fòghlum, agus do chluasan ri briathraibh eòlais. Na cum smachd-achadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, cha’n fhaigh e bàs. Na bi am measg phòiteirean fiona, am measg luchd comh-ithidh geòcach feòla. Oir thig am misgeir agus an geòcaire gu bochdainn; agus eudaichidh turra-chodal duine le luideagaibh. Cò d’am buin truaighe? cò aig am bheil cònsachadh? cò a ta ri gearan? cò aig am bheil lo- [TD 50] tan gun aobhar? cò aig am bheil deirge shùl? Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon, iadsan a théid a dh’iarraidh fiona measgta. CAIB. XXIV. Tha’n duine glic ’na dhuine làidir, agus tha fear an eòlais treun ’an neart. Is peacadh smuainte na h-amaideachd; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine. Na dean feall-fholach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite-còmhnuidh an fhìrein; na creach ’ionad-tàimh. Oir seachd uairean tuitidh am firean, agus éiridh e rìs; ach tuitidh na h-aingidh ann an olc. ’Nuair a thuiteas do nàmhaid, na bi aoibhneach, agus an uair a thuislicheas e, na deanadh do chridhe gairdeachas: Air eagal gu’m faic an Tighearn, agus gu’m bi e olc ’na shùilibh, agus gu’n tionndaidh e ’fhearg uaith. [TD 51] A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an righ ort: riu-san aig am bheil atharrachadh giùlain na biodh gnothuch agad. Ghabh mi seachad air fearann an duine leisg, agus air fion-lios an duine gun tuigse: Agus feuch, bha e uile air fàs suas le cluaranaibh, chòmhdaich an eanntagach ’aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalladh cloiche. An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu maith; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlum. Fathast beagan codail, beagan clò-chodail, beagan pasgaidh nan làmh gu codal: An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus t’uireasbhuidh mar dhuine fuidh armaibh. CAIB. XXV. Na gabh urram dhuit féin ann am fianuis righ, agus na seas ann an àite dhaoine mòra: Oir is fearr gu’n abrar riut, Thig a nìos an so, na gu cuirear [TD 52] sìos thu am fianuis an uachdarain a chunnaic do shùilean. Mar ùbhlan òir ann an dealbhaibh airgid, tha focal a labhrar gu h-iomchuidh. Mar chluas-fhàinne òir, mar usgar do’n òr fhìor-ghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair. Tarruing do chos a tigh do choimhearnsnaich, air eagal gu’m bi e sgìth dhiot, agus gu fuathaich e thu. Ma bhios do nàmhaid ocrach, thoir aran dha r’a itheadh; agus ma bhios e ìotmhor, thoir uisge dha r’a òl: Oir carnaidh tu eibhle teine air a cheann, agus bheir an Tighearna luigh-eachd dhuit. Mar chaithir briste sìos, gun bhalladh, tha am fear aig nach ’eil ceannsal air a spiorad féin. CAIB. XXVII. Ni oladh-ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin ni milsead caraid duine le comh- [TD 53] airle a chridhe. Na tréig do charaid fein, no caraid t’athar, agus na rach a steach do thigh do bhràthar ann an latha t’àmhghair: is fearr coimhearsnach am fagus na bràthair fad as. Chi an duine crìonna olc, agus folaichidh se e fein; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas. Tha sìor-shileadh uisge ann an latha frasach, agus bean aimhreiteach cosmhuil ri cheile. Ge do phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich ’amaideachd ris. CAIB. XXVIII. Teichidh an t-aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bithidh na h-ionraic dàna mar leòmhan. Is fearr am bochd a dh’imicheas ’na ionracas, na esan e tha fiar ’na shlighibh, ge do robh e saibhir. [TD 54] Is glic duine saibhir na bharail fein; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse mach e. An ti a dh’fholaicheas a pheacanna, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a threigeas iad, gheibh e tròcair. Is beannaichte an duine air am bi eagal a ghnàth; ach esan a chruaidhicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc. Ni fear na droch shùile deifir gu bhi saibhir; ach cha’n ’eil fhios aige gu’n dthig bochdainn air. An ti a chronaicheas duine, ’na dheigh sin gheibh e ni’s mò do dheadh-ghean na esan a ni miodal le ’theangaidh. An ti a bheir do’n bhochd, cha bhi dìth air; ach air an ti a dh’fholaicheas a shùilean bithidh iomadh mallachd. CAIB. XXIX. Am fear a ni miodal r’a choimhearsnach, sgaoilidh e lìon air son a chos. Bheir [TD 55] am firean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t aingidh suim do eòlas a bhi aige oirre. Bheir luchd-fochaid baile ann an ribe; ach pillidh daoine glice fearg. Cuiridh amadan an ceill ’inntinn uile; ach cumaidh duine glic a stigh i gus an deigh sin. Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhuit; seadh, bheir e sòlas do t’anam. Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bithidh fear na corruich pailt ann an eusaontas. Bheir eagal duine ribe leis; ach ge b’e dh’earbas as an Tighearna, bithidh e tèaruinte. CAIB. XXX. Tha uile fhocal De fior-ghlan: is sgiath e dhoibhsan a chuireas an dòigh ann. Na cuir-sa ni air bith r’a bhriathraibh, air eagal gu cronaich e thu, agus gu faighear breugach thu. [TD 56] Dà ni dh’iarr mi ort; na diùlt iad dhomh mu’m faigh mi bàs. Dìomhanas agus breugan cuir fad uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathuich mi le biadh a bhios iomchuidh air mo shon. Air eagal gu’m bi mi làn, agus gu’n àicheadh mi thu, agus gu’n abair mi, Cò e an Tighearna? no gu’m bi mi bochd, agus gu’n goid mi, agus gu’n toir mi ainm mo Dhé ’an dìomhanas. Tha ceithir nithe beaga air an talamh, ach tha iad ro-ghlic: Tha na seangain nan muinntir nach ’eil làidir, gidheadh ulluichidh iad am biadh ’san t-samhradh; Tha na coineanna nam muinntir nach ’eil neartmhor, gidheadh togaidh iadan tighean anns na creagaibh; Cha ’n’eil righ aig na locustaibh, gidheadh imichidh iad a mach uile ’nam buidhnibh; Gabhaidh an [TD 57] damhan-alluidh greim le a làmhaibh, agus bithidh e ann an lùchairtibh nan righ. CAIB. XXXI. Cò gheibh bean shubhailceach? oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal. Earbaidh cridhe a fir aisde, agus cha bhi feum aige air creich. Iocaidh i maith dha, agus cha’n e olc, rè uile làithean a beatha. Iarraidh i olann agus lìon, agus oibrichidh i gu toileach le a làmhaibh. Tha i mar longaibh nan ceannuiche, bheir i a biadh o thir chèin. Eiridh i mar an ceudna ’nuair is i an oidhche a ta fathast ann, agus bheir i lòn d’a teaghlach, agus cuibhrionn d’a maighdeanaibh. Measaidh i achadh, agus ceannaichidh si e: le toradh a làmh suidhichidh i fion-lios. Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh si a gairdeana. Moth- [TD 58] aichidh i gu bheil a ceannachd maith: cha dthéid a coinneal as ’san oidhche. Cuiridh i a làmhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a làmh greim do’n chuigeil. Fosglaidh i a glac do’n truaghan, agus sìnidh i a làmhan do’n fheumach. Cha ’n’eil eagal oirre roimh ’n t-sneachda air son a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile eudaichte le scarlaid. Ni i dhi féin trusgain do obair ghréis; do shìde agus do chorcur tha a h-eudach. Aithnichear anns na geataibh a fear, an uair a shuidheas e maille ri seanairibh na tìre. Ni i lìon-eudach grinn, agus reicidh i, agus bheir i criosan do’n cheannuiche. Neart agus urram is eudach dhi, agus ni i gairdeachas ’san àm ri teachd. Fosglaidh i a beul [TD 59] le gliocas, agus tha lagh a’ chaoimhneis air a teangaidh. Bheir i an aire do shlighibh a teaghlaich, agus cha’n ith i aran an dìomhanais. Eiridh a clann, agus beannaichidh iad i; a fear, agus molaidh e i. Rinn mòran nighean gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile. Is mealltach deadh-ghean, agus is dìomhain sgèimh; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar. Thugaibh dhi do thoradh a làmh, agus moladh a h-oibre féin anns na geataibh i. SALM. CXIX. Is beannuicht iadsan a tha neo-lochdach ’san t-slighe, a dh’imicheas ann an lagh an Tighearna. Is beannuicht iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras [TD 60] e le’n uile chridhe. Mar an ceudna cha dean iad aingidheachd: ’na shlighibh imichidh iad. Dh’àithn thu t’orduighean a bhi air an coimhead gu dìcheallach. O nach robh mo cheumanna air an stiùradh, chum do reachdan a choimhead! An sin cha ghabh mi nàire, ’nuair a bheir mi spéis do t’àitheantaibh gu léir. Molaidh mi thu le treibhdhireas cridhe, ’nuair a dh’fhòghlumas mi breitheanais do cheartais. Coimhididh mi do reachda: O na treig mi gu tur! Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachda, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch. Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coìmhididh mi e le m’uile chridhe. Thoir orm triall an ceum t’àitheanta; oir ann ta-san tha mo thlachd. Lùb mo chridhe [TD 61] gu d’ theisteasaibh, agus ni h-ann gu sannt. Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighibh beothaich mi. Daingnich t’fhocal do t’òglach, air am bheil t’eagal-sa. Cuir uam mo mhasladh a’s eagal leam; oir tha do bhreitheanais maith. Feuch, is miannach leamsa do reachdan: a’d’ cheartas beothaich mi. CXXXIII. Feuch, cia maith agus cia taitneach an ni, do bhràithribh còmhnuidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd! Mar dheadh oladh-ungaidh air a’ cheann, a ruith sìos air an fheusaig, feusaig Aaroin, a ruith sìos air iomall a thrusgain; Mar dhealt air Hermon, a thuiteas air sléibhtibh Shioin: oir an sin dh’àithn an Tighearn am beannachadh, beatha gu sìorruidh. [TD 62] CXLV. Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Righ; agus beannuichidh mi t’ainm gu saoghal nan saoghal. Gach là beannuichidh mi thu, agus molaidh mi t’ainm gu saoghal nan saoghal. Is mòr an Tighearn, agus is ro-airidh e air moladh, agus cha’n fheudar a mhòrachd a rannsachadh. Molaidh àl do àl do ghnìomhara, agus cuiridh iad an céill t’oibre cumhachdacha. Air urram glòire do mhòrachd agus air t’oibribh iongantach labhraidh mi. Agus labhraidh daoine air neat do bhearta uamhasach; agus aithrisidh mise do mhòrachd. Cuiridh iad an céill gu pailt cuimhne do mhaitheis mhòir, agus ard-mholaidh iad t’fhìreantachd. Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna; mall chum feirge, agus pailt ann an tròcair. Is maith [TD 63] an Tighearna do na h-uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn ’oibre uile. Molaidh t’oibre gu léir thu a Thighearna; agus beannuichidh do naoimh thu. Air glòir do rioghachd labhraidh iad, agus cuiridh iad an ceill do chumhachd: Chum a bhearta iongantach a dheanamh aithnichte do chloinn nan daoine, agus glòir mòralachd a rioghachd. Is rioghachd shìorruidh do rioghachdsa; agus mairidh t’uachd-aranachd air feadh nan uile ghinealaich. [Tha an Tighearna firinneach ’na uile bhriathraibh, agus naomha ’na uile ghnìomharaibh.] Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha tuiteam, agus togaidh e ’n aird iadsan uile a tha air cromadh sìos. Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhoibh am biadh ’na thràth. Tha thu fosgladh [TD 64] do làimh, agus a’ sàsachadh miann gach ni beò. Tha’n Tighearna ceart ’na uile shlighibh, agus naomha ’na uile ghnìomharaibh. Is dlùth an Tighearna dhoibhsan uile a ghairmeas air ’am firinn. Coimhlionaidh e miann na droinge d’an eagal e; agus eisdidh e r’an glaodh, agus saoraidh se iad. Gleidhidh an Tighearn iadsan uile a ghràdhaicheas e; ach sgriosaidh e na h-aingidh gu leir. Air cliu an Tighearna labhraidh mo bheul: agus beannuichidh gach feoil ’ainm naomha-san gu saoghal nan saoghal. ECLESIASTES. CAIB. XII. Cuimhnich a nis do Chruithfhear ann an làithibh t’òige, mu’n dthig na droch làithean, agus an druid na bliadhnacha riut, anns [TD 65] an abair thu, Cha ’n’eil tlachd agam annta. Mu’n dorchaichear a’ ghrian, agus an solus, agus a’ ghealach, agus na reultan, agus am pill na neoil an deigh an uisge: Anns an là san criothnuich luchd-gleidhidh an tighe, agus an crom na daoine làidir iad fein, agus an sguir an luchd-bleath, a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a mach air na h-uinneagaibh; Agus an dùinear na dorsan anns na sràidibh, an uair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’eireas e suas aig guth an eoin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiuil; Mar an ceudna ’nuair a bhios eagal orra roimh ni àrd, agus a bhios uamhasan anns an t-slighe, agus a bhios a’ chraobh almoin fuidh bhlàth, agus a bhios an leumnach-uaine ’na eallaich, a- [TD 66] gus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall d’a chòmhnuidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mu’n cuairt sna sràidibh. Mum fuasgailear an cord airgid, agus am bruthar an copan òr, agus am brisear a’ chuinneag aig an tobar, agus am brisear an roth aig an t-soitheach-cumail. An sin pillidh an duslach chum na talmhainn mar a bha e; agus pillidh an spiorad chum Dhe, a thug uaith e. Dìomhanas nan dìomhanas! ars’ an searmonuiche: is dìomhanas na h-uile nithe. Agus os bàrr, do bhrìgh gu’n robh an searmonuiche glic, theagaisg e’n còmhnuidh eòlas do’n t-sluagh; agus thug e deadh aire, agus shir e mach, agus dheasaich e mòran ghnath-fhocal. Dh’iarr an searmonuiche briathra taitneach fhaot- [TD 67] ainn: agus bha an ni a scrìobhadh ceart, briathra na fìrinn. Tha briathra nan daoine glice mar bhioraibh, agus mar thairngibh air an sparradh le uachdaranaibh choimhthionall, a thugadh le aon aodhaire. Agus tuilleadh, leo so, a mhic, gabh rabhadh: air mòran leabhraichean a dheanamh cha ’n’eil crìoch, agus tha mòran leughaidh ’na sgìos do’n fheoil. Cluinneamaid brìgh na chaidh ràdh uile: Biodh eagal De ort, agus gleidh ’àitheantan; oir is e so dleasdanas iomlan an duine. Oir bheir Dia gach obair chum breitheanais, maille ris gach ni dìomhair, ma’s maith, no ma’s olc e. MALACHI. CAIB. IV. Oir feuch tha ’n là a’ teachd, a loisgeas mar àmhuinn; [TD 68] agus bidh na h-uaibhreich uile, seadh gach neach a ta ri aingidheachd, mar asbhuain; agus loisgidh an là ta teachd suas iad, deir Tighearn nan sluagh; oir cha ’n fhàg e bun no barr dhiubh. Ach dhuibhsa air am bheil eagal m’ ainm-sa eiridh Grian na fireantachd le slàinte ’na sgiathaibh; agus theid sibh a mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhta. Agus saltraidh sibh sìos na h-aingidh; oir bidh iad mar luaithre fo bhonnaibh ’ur cos, anns an là san dean mise so, deir Tighearnanan sluagh. Cuimhnichibh-sa lagh Mhaois m’ òglaich, a dh’ àithn mise dha ann an Horeb, air son Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais. Feuch cuiridh mise do ’r n-ionnsuidh Eliah am fàidh, roimh theachd là mhòir agus uamhasaich an Tighearna. Agus tionndaidh- [TD 69] idh esan cridhe nan aithrichean a chum na cloinne, agus cridhe na cloinne chum an aithrichean, eagal gu ’n dthig mise, agus gu ’m buail mi am fearann le leir-sgrios. Tha na h-Aitheantan, agus Urnaigh an Tighearn, air an cur sios ’an so, a chum ’s gun iunnsaicheadh an sgoileir iad le chuimhne. NA DEICH AITHEANTAN. ECSODUS XX. Labhair Dia na briathra so uile, ag ràdh, Is mis’ an Tighearna do Dhia, a thug a-mach thu a tìr na h-Eiphit, a tigh na daorsa. I. Na biodh dé sam bith eile agad a’m’ làthair-sa. II. Na dean dhuit fein dealbh snaidhte, no coslas sam bith a dh’aon ni, a ta sna neamhaibh shuas, no air [TD 70] an talamh shios, no sna h-uisgeachaibh fuidh’n talamh. Na crom thu fein sios doibh, agus na dean seirbhis doibh: oir mis’ an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantuinn aingidheachd nan aithriche air a’ chloinn, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi, agus a nochdadh tròcair do mhiltibh dhiubsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas m’àitheantan. III. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhe an diomhanas: oir cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheir ’ainm an diomhanas. IV. Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh. Sèa làithean saothrichidh tu, agus ni thu t’obair uile. Ach air an t-seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhe; air an là sin na dean obair sam bith, thu fein, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no [TD 71] do bhan-oglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a ta ’n taobh a stigh do d’ gheataibh; oir ann an sèa làithibh rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta; agus ghabh e fois air an t-seachdamh là; air an aobhar sin bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich se e. V. Thabhair onoir do t’athair, agus do d’ mhàthair, a chum a’s gu’m bi do làithean buan air an fhearann a tha’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit. VI. Na dean mortadh. VII. Na dean adhaltrannas. VIII. Na dean gaduigheachd. IX. Na tabhair fianuis bhreige ’n aghaidh do choimhearsnaich. X. Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no ’òglach, no ’bhan-ogloch, no ’dhamh, no ’asal, no aon ni a’s le do choimhearsnach. [TD 72] URNUIGH AN TIGHEARNA. MAT. VI. Ar n-Athair a ta air neamh. Gu naomh-aichear t’ainm. Gu tigeadh do rioghachd. Gu deanar do thoil air thalamh, mar a nithear air neamh. Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran lathail. Agus maith dhuinn ar fiacha, mar a mhaitheamaid d’ar luchd-fiacha. Agus na leig sinn ’am buaireadh, ach saor sinn o olc: Oir is leatsa an rioghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu siorruidh. Amen. A’ CRIOCH. Clo-bhuailte le Anderson agus Bryce.