[DA 1] ORIGINAL SONGS AND POEMS, IN English and Gaelic. BY ALEXANDER MACKAY, BUTLER AT MOYHALL. My Muse on soaring pinions ne’er shall roam, But humbly piper of her native home. CLARE. INVERNESS: PRINTED AT THE JOURNAL OFFICE. 1821. [DA 2] [Blank] [DA 3] DEDICATION. [Beurla] [DA 4] [Blank] [DA 5-8] PREFACE. [Beurla] [DA 9-10] CONTENTS. [Beurla] [DA 11] English Poems. [DA 12] [Blank] [TD 1-78] [Beurla] [TD 79] ORAIN AGUS DAIN, ANN AN Gaelic agus am Beurla. NACH ROBH RIAMH ROIMH DEALBH-BHUAILTE. LE ALASTAIR MAC-AOIDH. Suidh thusa, bhaird, air a chruaich, Is cluinneam r’a luaidh do dhān, Do dhān mar aiteal an erraich Dol thairis air sealgair sa’ chruaich, ’N ām dusgadh o aisling sa’ bhealach ’N uair chluinneas e aoibhneas nam fuath, An ceol fuar air thaobh nam beann. OSSIAN. INBHIRNIS: DEALBH-BHUAILTE LE SEUMAS FRISEAL. MDCCCXXI. [TD 80] [Blank] [TD 81] ORAIN GHAE’LACH. ORAN DO MHOR’AIR HUNNDAIN, AGUS DO’N CHATH-BHUITHINN RIOGHAIL GHAE’LACH. AIR FONN,—“Tha cheapach na fasach.” CUIREAR rainn leinn an ordugh, Do Mhor’air Seoras nam buadh, Oighre āluinn Dhiūchd Gordan, Ceannard mōr an Taobh tuath; ’S cha ’n ’eil baile no Sgire, No ait’ ’s am bi mi căr uair, Anns nach bi iad ag innse, Gur d’thu Righ nan daoin’ uaisle. ’S lionmhor Ceatharnach feumnach, Chuir thu’n eididh math ūr, [TD 82] Ann an cotachaibh scarlaid, A’s Post amhain o na Chrūn; ’S ’n uair a thigeadh na Frangaich, Le ’n cuid campachan dlūth, Cha chailleadh h-aon dhiu’ an cōir riu, Is Mor’air Gordan ri ’n cūl. Bha na miltean ro bhrōnach, ’S a’ ruidh nan deoraibh o ’n sūil, ’N uair a bha thu ’s an Olaint, Air do leon ann gu ciuirt; Ach ni sinn uile nis aoibhneas, Gu bheil t’ oighreachd ’n ar duthaich, ’S ge b’ ŏil le Frangaich gur beo thu; Gu n-ar comhnadh ’s gach cuis. Cha chluinn sinn ainm air duin’ uasal, ’N deas na tuath tha co grinn, O’n uair ’s bha thu do chiochran, Bha ort a sgial ud ri inns’; Bu d’ thu caraid nam feumnach, ’S d’ thu gheibheadh eisdeachd o’n Righ; ’S fear do mhais’ a’s do mhōrachd, Cha ’n ’eil e beo ann ar linn. [TD 83] ’S ann leat dh’eireadh na Gaidheal, Th’ eadar ’n Aird ’s Duthaich ’ic Aoidh, Eadar Cata ’s Brāidh-bharr, ’s bithidh— Lochabar ’s Baideineach cinnt, Theid iad gu tric nam Battalion, Nunn do’n Spaint a’s do ’n Fhraing; ’S co bu treun na na Gaidheal, Gu Bonapart chuir a suim. ’Se do Reisimeid chliūiteach, A deanadh tūirn anns a bhlār, Ged bhiodh na naimhdean co lionmhor, S gu ’m biodh a sea dhiu’ ri dha, Bhiodh ac’ cruaidh air am faobhar, A’s fuil ’g a taomadh gu lar, Iad glacadh brataichean sioda, ’S a cuir na miltean dhiu’ mhāin. Air thus am blar Fontenoi, A chaidh na seoid a bha garg, Le’n cuid breachdan am feileadh, A’s an eididh māth dearg; ’S ’n uair rinn na Sasuinnich gēileadh, Chaidh clann nan Gaidheal le fearg, [TD 84] A’s thug iad sgrios air na naimhdean, Ma’s do thionnd’ iad an ārm. ’S lionmhor cāth agus batail, Anns an deach’ iad a rithist; Eadar Waterloo ’s Fontenoi, Bu mhōr an comhnadh do ’n Righ; ’S’n uair a thionnd’ Bonapart riu, Brod na bha aige fēin, A h-aon cha deach’ o na Gaidheal, A dh’innse dhasan an sgeul. Ach bidh mi nise co’dhunadh, A Mhor’air chliūitich tha suairc, O nach ’eil agam eolas, A ni do mhorachdsa luaidh; Ach ’s ann a ghuidheam dhuit grās, O’n Righ is airde nan sluagh; ’S do chliū biodh mor feadh gach cearnaidh, A cheannard Ghaidheal nam buadh. [TD 85] ORAN DO THIGHEARNA GHLINNE GARAIDH, AIR SON CO URRAMACH ’S A NOCHD SE E FEIN AIR TAOBH NAN GAIDHEAL, ANN AM BAILE INBHIRNIS, ANN AM MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH 1820. CUIR a nios botail air bord dhuinn, ’S gu’n lionn sinn gu h-ordail a chuach, ’S gu’n ōl sinn deoch slaint’ Mhic-ic Alastair, Oighre Ghlinn Garaidh nam buadh; O’n ’s esan Ceann-suidh nan Gaidheal, Is grinn air Parad ’s an taobh tuath, Bi’dh gach aon dhiu’ gu fearail mar b’abhaist, Le fraoch na Chochdad ’g a chuir suas. C’ait’ ’m faic sinn am Breatan nan Eirinn, Fo bhreachdan nam feileadh do dhealbh? Lamh ghasd thu le cloidheamh da fhaobhair, Is gile na’n fhaolag do chalp, ’S comandair ’s an ārm aig Righ Seors’ thu, S’ deas labhrach aig mōd thu gu dearbh, [TD 86] ’S ged chail thu do phuinc aig an ām so, ’S ro chinnte gur ann leis a chealg. ’Nuair a thug thu’n so duine bha treubhach, MacLachlainn gun bhreug is e ainm; A thainig gu stiūradh ar ceuman, Mar choinneal bheir leirs’neachd ’s an dorch; Ann Laidinn an Gaelic ’s an Greig, Am Fraing a’s am Beurla tha dearbht’; Ach ’s e chainnt a bh’aig moran ’g a leughadh, “Gu h-aithghearr uainn feumaidh tu falbh.” Ach do shlainte nis dheagh Mhic-Lachlainn, ’S cuir naigheachd bhios taitneach a nall, Ged chaidh thu uainn rithist air t’ eolas, Do bhaile mōr comhnuidh nan Gāll; Ach ma chi sinn’ a ni tha ’n ar dochas, Bi’dh againn dhuit cōir nach bi gann, A’s thig thu do’n bhaile so chomhnuidh, Chum foghlum a’s seolaidh ar clann. Ach bi’dh mi ’ga t’ fhagail ’s an ām so, A’s theid mi do’n ghleann ud a ris, An t’ ait’ anns a faigh sinn Clann Domhnuill, Bheir botail a’s ceol dhuinn a piob; [TD 87] An t’ ait’ ’s am bheil Oighre glan Chnoideart, ’S leis Granntaich, a’s Toisich na tīr, Leis an eireadh brod Rossuich a’s Rōsaich, Mac-Lachlainn, Mac-Leoid, a’s Mac-Aoidh. Ach faighear dhuinn peann agus paipeir, ’S gu ’n sgriobh sinn do’n āl thig n’ar dēigh, An t’ urram a fhuair thu ’s gach aite, O’n isle co ārd ris an Righ; Bi’dh Diūchdan a’s Prionnsaidh mu chlar ann; ’Siad ’g ōl do dheoch slainte le sīth, Mhic-Alastair Ceannard nan Gaidheal, Gheibh urram ’s gach ait’ anns am bi. Cha b’ ionainn ’s a dh’eirich do Stafford, Chuir CATA na fasach ro thruagh, Cha ’n ’eil aig-sa meas air na Gaidheal, ’S cha d’fheuch e dhoibh fabhar na truas; Ach ma chi sinn a choidhche Bonaparte, ’Se tighinn gun naire le shluagh, Cha ’n fhaic thus an Camp ann ’g a’n aireamh, Ach caoraich mhaol bhan agus uain. ’Nuair thig Mac-mhic-Alastair treubhach, Le Reisimeid, Ghaidheal a nuas, [TD 88] Gach aon dhiu’ fo ’m breachdain am feileadh, ’S an arm ac’ co geur ’s a ni cruaidh; A’s cuiridh mi’ n fhianais so ’n drāsda, Oirbhse ’s ro airde dhaoin uaisle, Mar e misneach a’s neart nam fior Ghaidheal, Chuir Bona’ gu brath thar a chuan. Nis ōlaidh sinn slainte Righ Seoras, ’S na chumas a chōir ris le cliū; O na bheag gu na Mor’airean Mōra, Bhios dileas ri ’m beo dha na chrūn; ’S cha ’n eagal leinn namha’d a chi sinn, Air muir no air tīr ann ar duthaich, Co fad ’s a bhios Gaidheal mar dh’ fheumadh, Ann an guaillibh a cheile gu dlūth. [TD 89] ORAN DO CHOIRNEAL SEUMAS DOMHNULLACH, ’NUAIR A THIONNDAIDH SE DHACHAIDH O’ N SPAINT. DEOCH Slainte Choirneal aluinn so, Tha ’n Geardachan an Righ; Fuil uasal Mhic-’ic-Alastair, Chaidh aithris feadh gach tīr; Aon bhrathair mōr Ghlinn Garaidh, Leis ’n eireadh ārm ro ghrinn, Ceann-cinnidh siol chlann Domhnuill, A chumadh cōir gach linn. Air machair no air Gae’ltachd, Cha ’n fhaic mi fēin do dhealbh; Saighdear tapaidh dileas thu, ’S lamh chinnteach a tha dearbht’; Is onoir thu do Dhomhnulluich; Bhios tric mar leomhan gārg; ’S comandair deas air daoine thu, ’N ām caitheadh aodach dearg. [TD 90] ’N uair theid an t’ ārm math Breatunnach, Air astar nunn do’n Spāinnt, Bi’dh Domhnulluich a’s Granntaich ann, Comandaigheadh Parad; ’S cha ’n fhaicear Saighdear Frangach, An camp aig Bonapart, Nach gabh an ruaig nan trupachan, ’S bi’dh ’n cliū ’ga chuir a mhain. ’N uair bha thusa ’n Calabria, Le Gaidheil dheas nan Gleann, An sin choinich thu do namhaid, ’S aig aireamh nach robh gann; Ach ged a bha iad lionmhor, B’e t’iarrtuinneas ’san ām, Do dhaoine chuir le ’m faobhairibh, Ga’n sgaoileadh as gach ceann. ’S a rithist rinn thu treubhantas, ’S an Eiphit thall thar cuan, Bha mōran sin a charaich thu, Mar Pharaoh ’sa mhuir ruaidh; Cha thionndadh iad am blāir riut, ’S e b’fhearr leo dhol ’san ruaig; [TD 91] ’S bha aoibhneas mōr air Albannaich Ag ainmeachadh do bhūaidh. Cia ’n t’ait’ an seas do namhaid riut, An cearnaidh deas no tuath? ’S co lionmhor ’s tha do chairdean ann, Ma thâras mise an luaidh, Gleann Garaidh thig o Cnoideart, Le neart bhios mōr dhe’n t-shluagh, A’s Siosalach Srath-Ghlāis, thig— Le gaisgich a’s daoin’ uaisle. Sir Aonghas Mac-an-Toisich, Thig a’ Moigh sin gun dāil, ’S a Chinneadh mor le n armailtean, Thoir dearbhachd dhuit an cās; Mar sin ’san Cinneadh Granntach, Gu ruig an ceann is aird’, Co seasmhach ri Creig-eileachi, ’S cha’n athraich i gu brāth. O’n dh’fhalbh an cogadh Spāinnteach, ’S gach namhaid air an claoidh, Tha sīth-chainnt anns gach cearnaidh, ’S mōr ghairdeachas ’san tīr; [TD 92] ’S o’n chum thu Bonapart uainn, ’S gach aite ’n robh thu strī; Deoch slainte Choirneil aluinn so, Tha’n Geardachan an Righ. ORAN DO CHOIRNEAL AONGHAS MAC-AN-TOISICH BHAILE ’N EASBUIG, ’N UA1R A CHAIDH ORDUCHADH DH’IONNSUIDH REISIMEID NAN CAM’RONACH. AIR FONN—“An nochd gur faoin mo chodal dhomh.” CEUD soraidh slān do ’n Choirneilear, Cha ’n ordugh uainn do’n Spāinnt, ’Se Aonghas Mac-an-Toisich, Tha ainm ro mhōr ’s gach ait’; Is onoir tric do ’n duthaich thu, ’N uair theid thu null thar sāil; ’S cuis eagail do na Frangaich thu, ’S a dheanadh annta bhearn. [TD 93] Is deas thig deise scarlaid dhuit, ’S claidheamh air sraid ’na d’ lāimh, Comanduigheadh parad ann, Do chlann nan Gaidheal ’s fearr; Fhuair thu nis na Cam’ronuich, Thug dearbheachd tric an cās, ’N uair chaidh iad ’n tus do’n Eiphit, Na Frangaich ghēill gu’n dāil. ’N uair chaidh ’n t’arm do ’n Olainte, Bha ’n Coirneal ann measg chaich, A’s Chathamh ’g a’n comanduigheadh, Is māll a thainig dha, A’s ged nach d’fhuair e cliū ann, Bha t’ainms’ as ūr an aird’, ’G a leughadh feadh nan Rioghachdaibh, ’S ’g a innse anns gach ait’. A’n uair a bha thu ’m Portugal, Ghabh thu ’n toisich ann thar cach, ’S thug Wellington an aire dhuit, Co tapaidh ’s chaidh thu ’n sās, Thug thu ’m bundaist’ do na Frangaich, ’N sin thionnd’ thu air do shail, [TD 94] ’S rinn e gu h-aith-ghearr Coirneal dhiot, Fa chomhair na bh’anns an ait.’ Ach ged tha thu nis do Choirneal, Cha leoir leinn e’ga luaidh, ’S ann bu choir dhuit bhi a’ d’ Sheanailear, Ro aithnicht’ measg an t-shluaigh; A’s tha mi fēin a saoilsinneas, Ma bhios do shaoghal buan, Gur oighr’ air Abercromie thu, Thug onoir dhuinn le buaidh. Is maiseach a’ measg uaislean thu, A’s cuideachd shuairc do chach; Cha bi droch gean no gruaim ort, ’N uair thig thu ’nuas do ’n aits’; Bhiodh t-aghaidh fosgailt, faolaidh, A’s t-aogais tairis, blāth, ’S bi’dh gaol a’s toil gach aon duit, ’Ga thaomadh ort gach lā, B’e m’ iarrtanas le durachd dhuit, Thu thighinn an taobhsa thamh, ’S mu’n d’ thig crioch Sir Aonghais, Gu faigh thu ainm air ait’; [TD 95] Bi’dh cridh’ is suil nam Bain-tighearnan, A’ sealltuinn ort le gradh; ’S ceud beannachd o gach Saighdear dhuit, On thoill thu e ’s na blair. CUMHA DO AONGHAS MAC-AN-TOISICH, FEAR AN TUILM. AIR FONN.—“’Si so ’n Nollaig a’s cianail.” SANN tha sgeula ro chraiteach, A nis ’s gach cearnaidh mu ’n cuairt, Bhearn ur rinn am bās oirnn, Measg aireamh dhaoine uaisle; Fear an Tuilm a bha āluinn, ’S a sheasadh ’n aird’ ann an cruas, Deagh charaid nan Gaidheal, An diugh ’g a charamh ’s an uaigh. [TD 96] ’S e do bhās a rinn brōnach, Daoine mōra na ducha ’s; ’S tha na bochdana deōrach, ’Ga do chaoineadh ni ’s mō; ’S tha iad tearc ann an aireamh, A Sheasas t’ ait’ dhoibh ’s gach cūis, ’N uair rach’d ’n gairm le foireiginn, Bhitheadh tu fein leo ’s a chūirt. Bu mhīn, taitneach do nadar, ’S bha annad lānachd de thruas, Bha thu iriseal pāirteil, ’S a feuchainn fabhar gach uair; Bu cheannard féill agus mōid thu, ’S brod fear comhnuidh na tuath; ’S e gu’n chuir iad ’s an ūir thu, A dh’ fhag an duthaich-s’ fo ghruaim. ’S mor a smăl air na Toisich, Nach dean thu comhradh no gluas’d O’n uair ’s chuir iad fo ’n fhōid thu, An cisde bhord anns an uaigh; Ach ’se dochas do chairdean, Ge b’ōil le namhaid an t’ shluaigh, [TD 97] Gu ’n deach’ do chrūnadh ’s an Rioghachd, Am measg nam fireanan shuas. O’n chrioch do shligh’ ’s an fhasach, ’S nach d’ theid ann t’ aireamh ni ’s mo; Gu ’n robh do ghliocas ’s do pairtean, Aig na d’ fhag thu air chūl; O linn gu linn a tha ’g eiridh, Gu ’n robh iad feumail ’n ar duthaich, A’s deagh Fhear an Tuilm Thoisich, Air ceann gach mōid agus cuirt. ORAN DO’N IOLAIRE, A BHA MARBHADH NAN UAN ANN AN STRATH-EIRINN. AIR FONN—“’S olc an galar an dēideadh.” BHA mi lath’ air an fhireach, ’S mi sireadh Iolair’ nan spogan; Bha agam urchair an gunna, ’S mi siubhal monaidh le Eoghan; [TD 98] ’S bheirinn crūn as mo sporan, A chionn gu’n faighinn ră leon i, Thug i uan o na caoirich, ’S cha ’n fhag i h-aon againn beo dhiugh, Nach d’thoir i leath. ’Sann gu Uilleam Mac-Fhiunlaidh, A thug i īonnsuidh na Charnaich, ’S air a h-ais do’n Dail-riadhaich. Leag i sgiath ’n Allt-na-Slath’nach; ’S cha ’n ’eil Ciob’ear ’n Strath-eirinn, Nach iarradh ’bheist ud a shāradh, ’S mar fhaigh sinn greim oirr’ ’sa Mhoigh, Cuiridh sinn gu Domhnull gu’n dail i, Do bhraigh ’n t-shrath. Am fear a chuireas le fudar, An luaidh dlūth stigh gu h-airnean, ’Nach leig le Iolair no clamhan, ’S an Dail-Tomaich bhi ’g ārach; Cha leig e Uan beag no meann leath’, ’Si na deann ruidh air fhasach, Mharbh e ’n uraidh a piuthar, Air creagan dubh Choig-na-fearna, Le fudar teth. [TD 99] “Och a’s och!” ’arsa breunag, “’S mi nam eiginn an drasda, ’S nach eil duine ’n Srath-eirinn, Nach d’ thoireadh beum dhomh nan táradh; ’S ann a theid mi na Sriana, N t’ ait’ ’m bu mhiannach le ’m āl bhi, Gu Mac-Phrice anns a Chnocan, S bheir mi boc uaith ni ’marach, ’S cha dhean mi chleith.” “Seasaidh mi ’n Creige-Chrochdan, Thar Pollochaig Mhic-Bheathain, An t’ait’ am bheil caoirich a’s gabh’ra, A’s uain mhōr air gach leathad; ’S ann an Coimhleachan shios ud, Gheibh mis’ eunlaith an athair, Gu bhi mu’n cuairt dhomh mar gheard orm, ’N uair bhios cach ’g a mo ghleidheadh, A’ measg nan creag.” Bhradag phrab shuileach riadhach, Tha ’s na Sriana gu leoir dhuit; Tha ioma sealgair ro thapaidh, Fo Chaiptein gāsd Mac-an-Toisich, ’S esan tagha’ chomaindear, [TD 100] ’N uair theid an Cāmp aig an ordugh, ’S cha ghabhainns’ baile Mhic-Artair, ’S fuireach seachdain na d’ chot’ ann, Ma thig e mach. “Bi’dh mi nise toirt taing dhuit, Air son gu’n d’ inns’ thusa chōir dhomh, Cha bhi mi’n Coimhleachan folaicht’, A’s Caiptein Alastair Mōr ann; Ach theid mi tarsuing a mhonaidh, O’n is aithne dhomh Eoghan, Tha pailteas uain agus mīnn aig’, Gabhair, misich a’s oisgean, A’s ’se mo bheath’.’ Ma thig thu ’n taobh-so de’n aonach, Bi’dh Mac an t-saoir ’g a do ghleidheadh, Le adharc-fhudair a’s grān aig; A’s gunna lān le da bharailt, ’S ged a chailleadh e cheud te, Fo do sgiath anns an athar, ’S e’n ath-urchair a dhearbhas, Do charcais marbh air an leathad, Ma’s d’theid thu as. [TD 101] ORAN EADAR AN SEALGAIR AGUS A GHEAR. AIR FONN—“’N uair a bha mi aig an t-sheisein.” G. SIUBH’L dachaidh Shanndaidh ’s na bi gōrach, Crath an sneachd sin dhe do bhrogan, ’S theirig chadal mar bu chōir dhuit, Ma ’s d’ theid do leon le fuachda. ’Sa Shanndaidh bidh tusa tapaidh, Ma ni thu toll a nochd mo chraicionn, Ged tha agads’ gunna a’s acfhuinn, Fudar glās a’s luaidh. S. Mi-thlachd ortsa bhradag lachdunn, Ge goirid t’ earbal ’s luath do chasan, Ach ni mis’ thusa māll air astar, Ma lasas fudar cluais dhomh. Ma bhios tu tigh’nn a ’g ith nan neapan, Tha duint’ am pairc an so aig Seumas, ’S ma thig thu ’n taobhs’ căr dusan leuman, Ni mi féin dhiot buannachd. [TD 102] G. Ach ged tha thus’ air cūl nan craobhan, Le preas droigheann air gach taobh dhiot, ’S biorach geur a ta mo shuileans’, A’ coimhead dlū gach gluas’d dhiot. A’s ni mi tamh an so le misneach, Ach an dean mi ann mo shuipeir, Cha ’n ’eil mi tighinn an taobhs’co tric, ’S nach fhaod thu nis cuir suas leam, S. Ma thig thu ’n taobhsa dh’ith a clobhair, Agus neapan Mhic-an-Toisich, ’So mo laimhs’ gu’n d’ thig an cot’ dhiot Ged is comhradh cruaidh e. ’S gu’n d’ theid do rōstadh ris an teine, ’S bidh cŏcair’ dortadh ort an īme; ’S bheir iad le forcacan a’s sgianan, Gach iomal agus cluas dhiot. G. A nis o ’n tha do chomhradh, laidir, ’S mithich dhomhsa bhi ’g a t’ fhagail, ’S dhol a nunn gu Iain Mac Dhaibhi, No gu Tamhus shuas ud. Ach an dean mi ann mo leaba, ’S gu ’m bi mi sabhailt na mo chadal, [TD 103] ’S ioma namhaid a ta agams’, Eadar Cragaidh agus Ruathainn. S. Ach ma theid thu ’mach an t-aonach, Air do lorg gheibh Mac-an-t’ Shaoir thu, ’S bheir e dhuit-sa ’ni nach saoil thu, Anns an fhraoch a thruaghain. Gabh mo chomhairl’ ’s thig dha m’ionnsuidh, ’S gheibh thu fasga’ ’m bun nan craobhan, Le preas droigheann air gach taobh dhuit, ’S bi’dh tu sunndach uallach. G. Ged tha thu nis a’ labhairt cairdeas, ’S mōr an Gunna tha na d’ laimh-sa, ’S tha eagal orm ged thiginn lamh riut, Nach bi mi sabhailt uair ann. Oidhche mhath dhuit b’dh mi siubhal, ’S theid mi ’n airde ris a bhruthaich, ’S ni mi tamh ’s a choille ghiubhais, ’S bi’dh coilich dhūbh mu ’n cuairt dhomh. [TD 104] LUINNEAG, DO’N SGADAN A FHUAIREADH AIR MONADH AN LEIDHIS. AIR FONN,—“Amadain ghoraich shaighdear.” A NIS nan robh agams’ paipeir, A chuirinn an drasd mu ’n cuairt dhuit, Bheirinn thu dhachaidh mo phocaid, ’S chuirinn air bord dhaoin’ uaisle thu. A sgadain cha mhor cha mhor thu, A sgadan cha mhor gun gluais thu, Thug iud a muir air an traigh thu, ’S beag air do chail o’n uair sin. Cha ’n fhaca tu sneachda na reothadh, ’Se bhi ’s an doimhne bu dual duit; Ach mi-thlachd a choidhche air a mhāraich, Thug thusa gu dŏrran a’s cruadal. A sgadain, &c. Luidh thu air monadh an Leidhis, ’S cha deanadh tu ceum ’s an uaīr dhoibh, Ach thainig sin Sanndaidh a Moigh, ’S thog e na dhorn le truas thu. A sgadain, &c. [TD 105] Ach ma ruigeas tu nochd am Feith-ghiubhais, Gheibh thus’ nn sin crew mu’n cuairt dhuit, Bi’dh Sīne agus Uilleam a’s Mairi, A sealltuinn le blaths gun ghruaim ort. A sgadain cha mhor cha mhor thu, A sgadain cha mhor gun gluais thu, Thug iad a muir air an traigh thu, S’ beag air do chail o’n uair sin. ORAN DO CHEILE. AIR FONN—“’S coma’leum do’n bhrigis lachduinn..” MO ghaol na bios a brōnach, Ged chuir mis’ rainn an ordugh, Is cuideachd dhaoine mor iad, A’s ni iad ceol do’n fhear bhios fann. ’S diūmach mi air cainnt gun toradh, Tha nunn ’s a nall mar thonn na mara; [TD 106] ’S air an dream bhios cēilidh am baile, A’ faotuinn coirean nach bi ann.. An tigh Ceannard mōr nan Toiseach, A fhuair mi fhēin ort eolas, Bho ’n la thug a Chleir dhomh coir ort, Bu taitneach dhomhs’ thu aig gach ām’. ’S diūmach, &c. Is tha thu mīn a’s boidheach, ’S thu fhēin de ’n chinneadh Rōsach, ’S cha ghabhainns’ miltean ōir ort, Ged bhiodh mo phocaidean ro ghann. ’S diūmach, &c. Is misle leam na ubhlan, T-anail bhlath a’s chūbhraidh, ’S a mhadainn ’n uair a dhuisginn, ’S bhiodh m’ inntinn ciūirt mar biodh tu ann. ’S diūmach, &c. Is binne leam do chomhradh, Na ceileirean na’n smeorach, ’S a choille ’n dlūith na h-eoin innt, Bhios seinn gu boidheach air gach crann. ’S diūmach, &c. [TD 107] Is binne leam na chlarsach, Do ghuth air lath’ na Sabaid, ’S tu gabhail orain Dhaibhi, Chaidh feadh gach braidh, bail’ a’s gleann. ’S diūmach, &c. ’S mo ghaol ma bhios sinn dileas, ’S ar cridhe dlūth do’n fhirinn, A choidhch cha d’ theid ar diteadh, A dh’ aindeoin mi-run a bhios ann. ’S diūmach mi air cainnt gun toradh, Tha nunn ’s a nall mar thonn na mara; ’S air an dream bh eir sgeula thairas, Gun bhonn ach barail a bhios meallt.’ [TD 108] ORAN DO DHOMHNULL MACLEOID, GILLE BHA RE TAMUILL ANN AN AON TIGH RIS AN UGHDAIR. THOIR an t’shoraidh so uamsa, Nis suas do Loch-bhraon, Gu Domhnull Mac-Leod, is E ōgan mo ghaoil, Ged dh’ fhag thu ’s a Mhoigh mi, A’ crōnan leam fein, Bu taitneach leam t’fhaicinn, A’s bean ri do thaobh. Air faillirinn, illirinn, uillirinn o, Air faillirinn, illirinn, uillirin o, Air faillirinn, illirinn, uillirin o, Tho na cailleagan duilich ’s fo mhulad ro mhōr. ’N uair dh’ fhag thus’ an t’ ait’, ’S an deach’ t’ arach o thus, [TD 109] Sin chaidh thu do Shasunn, Air each a’ measg trūp, A’ d’ shaighd’ear bha dileas, Do ’n Righ fo na Chrūn, ’S cha d’ thainig thu ’nuas. Gus an d’ fhuair thu ann cliu. Air faillirinn, &c. Sin fhuair thu disearsa, Bha laidir ni ’s leoir, Air a sineadh le Seanalair, ’S peanna na dhorn; A’s thug iad mar oighreachd, Dhuit roinn mhath dhe ’n ōr, Bhios agād gu aran, ’M feadh mhaireas tu beo. Air faillirinn, &c. Is lionmhor tē bhoidheach, Theid comhnard air sraid, ’Sa sheallas fo cleochd ort, Le moran do ghraidh, Le cridhe stigh cūirt aic’, ’S a suilean a mhain, ’S cha ’n iarradh i stōras, Ach Domhnull air laimh. Air faillirinn, &c. [TD 110] A’s bheirinns’ dhuit comhairlé, A ghabhainn dhomh fhīn, Ma’s māth leat an drasda, Bhi taladh ri mnaoi, Dean roghainn do stuaimeachd, Thar buaile chrodh laoigh, A gheibheadh tu le gruagaich, ’S i gruaimeach gun aoidh. Air faillirinn, &c. Tha mais’ ann an stuaimeachd, ’S tha ’m buaireadh na phlaigh, Ciod e dhuinn an saoghal, Mar faod sinn ann tāmh, Leis an ni sin tha priseil, Bhios saor o gach traill, An uair tha na miltean, Fo mhi-ghean gach la, Air faillirinn, illirinn, uillirinn ō, Air faillirinn, illirinn ullirinn ō, Air faillirinn illirinn uillirinn ō, Tha na caileagan dnilich ’s fo mhulad ro-mhōr. [TD 111] ORAN DO DHONNCHA ROS, AGUS D’A MHNASI, AIR LATH AM BAINNSE. ’S ann gu moch air madainn cheo, ’S mi dol le ordugh na bhaile, A fhuair mi sgeul air cuideachd chōir, Air ’n robh m’ eolas căr tamaill. Thogainn fonn gun bhi trom, Thogainn fonn air a chaileag. ’Se Donncha Rōs and an Loirg-an-tūr, Fleasgach cliùteach a’s fearail, Thug e sgriob an airde ’n Tom, A Reir ’s mar gheall e do ’n chaileag. Thogainn fonn, &c. ’S i chaileag a tha mīn a’s blath, ’S mor tha ghradh aig gach fear dh ’i; Dh’ fhag i ’n Tom a’s chaidh i ’n Torr, A Ghabhail cōir ann air fearann. Thogainn fonn, &c. [TD 112] A’s nam bithinns’ mo ghill’ ōg, Dh’ iarrainn pōg air a chaileag; Ach ’s ann a tha mi fada pōsd, A’s deagh bhan Rōsach mo leabaidh. Thogainn fonn, &c. Tha cuid de ghillean Choire-bhruach, An diugh fo ghruain air son Anna, Nis o’n d’ fhalbh i na mnasi phōsd, A’ ghabhail comhnuidh ’n Srath-narrunn. Thogainn fonn, &c. Nam biodh gach ni ’n diugh mar bu chōir, Gheibhinnsa pōg air do bhanais; Ach ōlaidh mise bhur deoch slaint, Le stuth laidir a gloīnne, Thogain fonn, &c. Thoir mo bheannachd dhoibh mu’n cuairt, Do’n tha shuas feadh Shrath-narrunn, ’S do Iain Friseal th’air an ceann, A thug dhomh am planndan māth daraich, Thogainn fonn, &c. S’ o’n tha thu ’n diugh ’s do chaileagh posd, Slaint a’s stōras gu mair dhuidh, [TD 113] Gach ni a cinneachadh gu mōr, ’S a cuir nan Rōsach mu’n teallaich. Thogainn fonn gun bhi trom, Thogainn fonn air a chaileag. ORAN DO’N MHUIC A DH’ ITH AN TEA AGUS AN SIUCAR, AGUS D’ A PIUTHAR A DH’OL AGUS A MHILE UISGE.BEATHA NA BAINNSE. AIR FONN—“’S olc an galar an deideadh.” LATHA dhomhs’ air an astar, ’S mi tighinn dhachaidh a Shrath-eirann, Bha agam each agus bascaid, ’S chuir mi steach iad le cheile; Shaoil leam fhīn nach robh cunnart, Gu ’n d’ thigeadh tubaist no beud riu, Ach co thainig ach musag, ’S air an ’t shiūcar sin leum i, ’Ga ith le soic. [TD 114] Gu ma fad ’n deideadh an t’ fhiacail, ’Ga do phianadh le doruinn, Fhior thrusdar nam beisdan, G’ am bu dual a bhi bruideil; ’S truagh nach d’ thigeadh an clamhan, Tha againn urrad ’s na craobhan, No idir iolair’ a mhonaidh, A thoirt amach as ’d nan suilean, A’s bloidh de ’n t’ shoic. Ged bheirte ’uats’ do fhradharc, Tha agad taghadh na sroine, Gheibheadh tu aile dhe ’n tēa, ’S gach ni eile dhe ’n t’ sheors’ sin; B’fhearr leam t’ fhaicinn a săbbaid, Ris na coin anns an otrach, Na bhi tionnda’ an tasgaidh, Bha na ’m bhascaid an ordugh, An sin le d’ shoic. Ach ’n uair fhuair iad ’s a mheirl’ thu, ’Se do chnamhan a phaidh air, [TD 115] Fear an tarruing le ru ngas, Gun bhi cunntadh riut strachdan; Ghabh iad cuip nan tri-duail dhuit, ’S thug iad fuaim air do mhāsan, ’S thog thu ’m baile mu ’n cuairt duit, ’N uair rinn thu ’m buaireadh le rānaich, ’N sin le do shoic. Cha ’n e ’n cāll bha mi gearan, ’Se bu dorra’ leam nāire, Gu ’n robh mi fhīn co mi-thapaidh, ’S gu ’n leig mi cnap dhe do chairean; ’S ged nach d’ ionnsuich thu oilean, Thug thu leasan gun dāil dhomh, Nach earbainns’ gnothaich a rithist, Ri mac no nighean do mhathar, Nam biodh orr’ soic. Chuala mi o mo nabuidh, An gniomh nair’ rinn do phiuthar, Air a mhuinntir ōg ghradhach, Sin tha thamh ’m bun na bruthaich; Gu ’n deach i steach chrō nan caorach, A chuir faoilt air an tunna, [TD 116] ’S fhad ’s a bh’ aice gach fiacail, A choidhche cha’n iarradh i screw Bu mhath a soic. Chaidh i ’s a mhadainn chuir sainseil An stuth na bainnse gun ordugh, ’S co luath ’s a bhlathaich e cridh’, Ghabh i tuille ’s a choir dhe; ’S ’n uair a sheall ise mhāin ann, Ghabh i nair’ as na dh’ ōl i, ’S theann i rithist ri lionadh, ’S rinn i finealt gu leoir e, An sin le soic. ’S ann ort fein tha ’n ’t soic righinn, ’S gur tu dītheadh na feadail, Air latha feill agus marcait, Bi’dh gach neach a’ toirt beum dhuit, A choidhcha bhi mise toilicht’, Gus am fŏil iad thu bhrēunag, ’S gus ’n cuir iad do chlaigeann air mias dhomh, Le forc a’s sgian a bhios gleusda, Ghearradh do shoic. [TD 117] Ach bi’dh mi nise dhiot samhach, Ged a dh’ fhag thu mi dūbhach, ’S mor am masladh air cearnaidh, Do leithid a phlaigh ann bhi fuireach; Scriobhaidh sinn t’ ainm ann am paipeir, An t’ ait an tamh e air thurus, ’S bheir thu oirn’ ioma gaire, ’N uair gheibh sinn cāil ’s an tigh leanna, An sin le d’shoic. ORAN DO MHAIGHSTIR SIM MAC-AN-TOISICH ANN AM FARR, AIR SON CAOIMHNEAS A NOCHD E DO’N UGHDAIR AN AM EIGIN. AIR FONN—“Thog na Gaidheal an ceann, ’s cha bhi iad a fang nis mo.” GU ma slan duit a Shim, ’S duin’ uasal thu grinn ro choir, O’n d’ fhuair mi ’n deoch a rinno feum, ’S thug gu h-ullamh dhomh fēin do choat; [TD 118] Gu ma fad’ theid t’ iomradh le cliū, Feadh gach rioghachd a’s duth’ch tha mōr, A shiol nan Toiseach bha treun, ’S nach cailleadh fiū ceum dhe ’n cōir. Thig o gach cearnaidh a nios, ’S as na h-Innseachan-Shios gu leoir, A shuidheas am Farr aig diot, Le pailteas brod fion air bord; ’N sin bi’dh gach Bain-tighearn’ tha thamh, Anns an teaghlaich ’n deach t’ arach ōg, Seinn orain milis o ’m beul, ’S le ’m meoran cluich teudan ceoil. ’Tha thu nis scriobhadh a’ d’ chlarc, Le peanna caol ban a’ d’ dhorn, ’S thig Frisealaich ghasta na h-Aird, A chuir gnothaich do lamh bhios mōr, Suidhidh tu sios anns a chuirt, A’ tagradh an cuis le cōir, ’S ’n uair chuireas tu ceartas an gniomh, Gheibh thu suim a bhios breagh dhe’n oir. ’S leat na Toisich gu leir, Tha eadar Srath-spea ’s Tigh Leoid; [TD 119] Bi’dh iads’ dhuit ullamh mar ghleus, Co tric ’s a thig t’ fheum fa ’n comh’r; Daoine mor a tha dearbht, ’S nach tionndadh ri arm an cul; ’N uair a bhios sinn cogadh ’s an Fhrainc, ’S iad a chumadh gu teann an crūn. ’N uair bhios tu ’n Duneidin a d’ thamh, Gheibh thu Bain-tighearn’ air laimh le cliū, Ri phosadh gu saor o na Chleir, ’S bi’dh oigreachd aic fein is fhiū, Thig thu leath’ dhachaidh ’n taobh-tuath, ’S Ci’dh i ri do ghualain dlū, ’N uair bhios bain-tighearnan eile fo bhrōn, ’S a’ sileadh nan deoir o’n suil. BEANNACHA BAIRD DO BHARD MAC-MHIC-ALASTAIR. FAILT ort fein a Bhaird Mhic-Alastair, ’S gu ma buan bhios t’airt air an Triuir, Rinn neamh, muir agus talamh, ’S chuir annad anail a’s lūths. [TD 120] FREAGAIRT AN UGHDAIR, DO DHUINE ARAID, ADH’ FHARRAID RISE AGUS E MARCACHD AN DEIGH CARBAD AN RIDIR AONGHAIS MHIC-AN-TOISICH— “Co sin a th’ anns a Charbad?” THA Sir Aonghas Mac-an-Toisich, Bhios gabhail comhnuidh ’n Srath-eireann, Duin’ uasal urramach, cliūiteach, Anns gach duthaich anns an d’ theid e; Aig am bheil oighreachd a’s fearann, A’s fēidh gu tiugh air na sleibhtean; Pailteas airgiod na sporan, A’s tuille ’m Baile Dhuneidin. ORAN DO CHAIPTAIN AONGHAS MAC-A-PHERSON ANNS A CHLUAN. DO shlainte dheagh dhuin’ uasal, Chaidh arach ’n Cluan Shrath-eireann, [TD 121] Tha urramach an stuaimeachd, ’S do bhuaidhean thar na ceudan, Tha mīn, ciuin a’s cairdeas, ’S gach ait’ am bi thu fēin ann; Le sporan ōr do lamh, a’s- ’G a phairteachadh ri feumnaich. Fhuair thu oighreachd o Righ Seoras, A’s cliū tha mor do reir sin, T’ fhuil uasal bha ’ga dortadh, A’ dion ar duth’ch na h-eigin; Mo thruaigh! thuit do bhraithrean, Bha aluinn agus ceutach, Thug onoir mhor do ’m parantian, ’S na dh’ fhag iad an Srath-eireann. ’S mor an onoir dh’a na duthchans’, Do mhathair chliuiteach, bheusach, ’S e ’n teaghlach mhor a dh’ araich i, Chuir Bonaparti dheigh-laimh; Bu Cheannardan air Gaidheal iad, ’S gach ait’ an d’ thigeadh eiginn, Gach aon dhiu nan Comandairean, ’S gu tric an Camp ’s an Eiphit. [TD 122] ’S tu taghadh an duin’ uasail, A’s tuathanach tha gleusda, Tha ’n Dreagaidh baile mōr agad, Le eich gu leoir a’s feadail; ’S o ’n fhuair thu nis a Gharbail, Tha do mheanbh-chrodh air na sleibhtean; ’S gu m’ lionmhor bhios an t’ ogradh, A’ deobh’l a’ mathar fhēin ann. ’Se dh’i arrainn nis le durachd dhuit, Nan ionnsuichinn mar dh’ fheumainn, Gu ’m biodh an Righ ’s ro airde, Co’ pairteachadh chuid fēin riut; Dh’a bhochdans’ tha thu fabhaireach, ’S do ’n ardan cha do ghēile thu, Cha d’ thug thu rūm do chrionntaidheachd, Mar lionmhorachd is leir dhomh. ORAN DO DHOMHNULL MAC-AN-TOISICH, A BH’ ANN AN CUIG-NA-FEARNA, ACH A NIS ANNS’ AN DAIL-TOMAICH. AIR FONN—“Tha Cheapach na fasach.” DHOMHNULL bhan Chuig-na-fearna, ’S tu d’ fhag mi craiteach ’s an ām, [TD 123] ’N uair a chaidh mi Shrath-n’arrunn, A thoirt coinneamh dhuit ann, Gus am faighinns’ do naigheachd, Agus sgeul as a ghleann, ’S am bheil do chairdean a’ fuireach, Ach rinn mi ’n turus a chall. ’S tearc do leithid ri fhaotuinn, A’ measg daoine ’n taobh-tuath; Ceatharnach furanach, finealt, ’S cuideachd thu do dhaoin’ uaisle; ’N uair bhios tu deanamh na feille, Bi’dh do dheiligeadh suairc, As gheibh thu cridhe gach caileag, Le d’ bheul tha tairis gun ghruaim. ’S lionmhor tē le cuid siod’ oirr’, A bhitheadh sithch’aid gu leoir, Nam faigheadh ise do ghealladh, Air a posadh aig stol Na faigheadh i thusa mar oighreachd, Bhiodh a h-aoibhneas ro mhor, ’S b’ fhearr leath’ aice ri taobh thu, Na miltean mora dhe’n or. [TD 124] ’Nuair a theid thu air astar, ’Mach a Shasuinn le drobh, Bi’dh gach neach bhios a’ tachairt, A gabhail tlachd ’s a ghill’ ōg; Bi’dh agad topa na feadail, Is cuideachd ghleusd’ thu ’s tigh-osd’; ’S cha ’n ’eil duine Srath-eireann, A bheireadh beum dhuit aig bord. ’S ceatharnach grinn air an t’shraid thu, Le osain scarlaid ort suas; Bi’dh cot’ do’ n bhreachdan is fearr ort, A’s fēileadh aluinn mu ’n cuairt; ’S deas thigeadh gunna agus claidheamh, Dhuit ’g a tharraing an cruas; ’S comand air daoine o’n Righ dhuit, Bhiodh do laimh cinnteach a buaidh. ’S gur tu sealgair a mhonaidh, ’Nām bhi leagail nam fiadh, Ge luath a ruidheas a chosan, Gheibheadh e sgaile ’uat air sliabh, Bi’dh tu fēin ’s do chuid gillean, ’G a’n toirt dhachaidh le rian, [TD 125] S’ cuiridh tu tric iad na Mhoigh, ’S an cridhe leoint’ ann an cliabh. Ach bha fear dhiu gu h-araid, Chaidh fad thar cach ann am meud, Tri cheud an cothrom a bha ann, ’S a gheir gu h-ard air fo bhian; ’S tha mis’ toilicht’ a Dhomhnuill, Nach robh ’s a Mhoigh so riamh, Fear a chothrom na chrōcan, Mach a cro monadh liath. ’N uair a theid sinn do ’n Innseag, Bi’dh sin cinnteach gu leoir, As an rŭd a bhios feumail, Air son an fheum a bhios oirnn; Bithidh gach ni a bhios taitneach, ’G a chuir gu pailt dhuinn air bord, ’S cha bhi cuimhn’ ann air gainne, Na feum air dram a tigh-osd. Nam bithinn fhin na mo Bhard, Chuirinn an airde do chliū, Ach cha ’n urra’ mise ge ’n aireamh, Liuthad taland tha dhiu; [TD 126] Ach mile beannachd do mhathar, Gu ’n robh an dan dhuit ’s gach iuil, ’S biodh a teaghlach-sa lathair, Aig ām a cāradh ’s an uir. Ach bi’dh mi nise ’g a t’fhagail, O’n rinn mi ’n drasd dhit an rann, ’S tha moran agam ri ’g rādh, Nach cuir mi mhain aig an ām, Ach gur leat durachd mo chridh’, ’S gach ait’ an suidh thu aig dram, ’S ceud soraidh slan duit a Dhomhnuill, Tha gabhail comhnuidh ’s a ghleann. ORAN DO DHOMHNULL MAC BHEATHAIN AN DROBHAIR A BH’ANNS AN T-SHLEAGHAICH, ACH A NIS ANN AM POLLOCHAIG. AIR FONN—“Do shlainte dheagh dhuin’ uasail.” ’S A Dhomhnuill thogainn fonn ort, Duine greannar feumail, [TD 127] Fiughantach do nadur thu, A’s pairteil ri luchd feuma, ’S ceann-uidh daoine araidh thu, ’N uair tharlas air an fheile thu; ’S gualainn thaic nan cairdean thu, ’S a bheireadh ’n corr do d’ fheumnaich; Phaidheadh tu gu suaire iad, Gun tuasaid bhi mu dheithinn; ’S ma labhras, mi air firinn, Gur toil leam fhīn do bheusan. Is lionmhor drobhair tapaidh, Th’ eadar Glascho agus Sleibhte, An duth’aich Mhic Aoidh ’s an Cata, ’S feadh Ros a’ ceannach feadail; Ach theid thu fēin air adhairt, As an t-Shleaghaich romp gu ceutach, S bi’dh agad top nan atharlan, Is gheibh am marsant fēin iad. Is caraid do na h-uaislean thu, ’N uair bhios an Tuath nan eiginn, A chuid dhiu nach reic bōllachan, Bidh iad a’ togail spreidhe; [TD 128] A’s theid thu troimh a mhonadh leo, Ri sneachd a’s reothadh geur ann, ’S bi’dh tu fēin ’s do cheatharnaich, Leo seasamh latha feille. ’N sin thig deireadh bhliadhna oirnn, ’S cha bhi miagh air feadail, Bi’dh na māil ’g a’n agairt, oirnn, Cuid againn fada dheigh-laimh; Ach bheir sinn sgriob gu Domhnull, ’S cha ’n fhaic e oirnn bonn eiginn, Bheir e dhuinn an corr, Gus an dean an t’ ogradh eiridh. Is thug mi barail geur ort, A’s chrioch mi chuir an cēile dhuit, Is cliūiteach anns an talamhs’ thu, ’S an Sasunn bithidh do dheilig’; ’N uair sguireas tu de mharsantachd, Bi’dh banc agad bhios reidh dhuit; ’S bi’dh Uilleam og a’s Tearlach; A’ togail t’ ait le cheile. [TD 129] ORAN DO IAIN MAC-A-PHEARSAIN A BH’ANN AN CRAGAIDH. AIR FONN— “Mile marbhaisg air a ghoraich, ’S mairg a dh’ oladh branndi.” GU ma slan duit ’Ic-a-Phearsain, ’S ro ghast thu anns gach ceārnaidh, Bi’dh agad piob ’s i lan tombaca, ’S tu cracaiseach mar b’ ābhaist; Bi’dh spor ri cruaidh ’g a bualadh tric, Cuir Sradagan air paipeir, ’N sin cuiridh tu dhuinn teine suas, Le luath bhios air do dhearnaibh. Bi’dh tu fēin a’s Domhnull Friseal, Gu measail togail garaidh, A’s ni sibh rathad do dhaoin’ uaisl’, Bhios comhnard cruaidh fo ’n sailean; ’S tu laimh ro ghleusd le ord a’s pic, O earrach gu Fēill-Mhairtinn; ’S ’n uair thig an sneachd a’s geamhradh fuar, An si fuaithidh tu le snāthaid. [TD 130] Tha t’ aodann fein co fearail, cruaidh, ’S do nadur uasal, cairdeach, Air chor ’s nach caochaladh tu snuadh, Ri latha fuar no blatha; Ach gu ma fada bhios tu beo A dhuine chōir ’s a thāillear, Le lan do phiob a’s not do phocaid, A’s beo-shlaint mar is āill leat. GEARAN AIR CARAID. BHA mo charaid ann an ēiginn, ’S o’n bu mhath leam a bhi rēidh ’s e, Fhuair e m’ airgiod ’s phaidh e fheich leis, ’S rinn e fuasgladh a bha feumail. ’N uair a thug mi dha e ’n iasad, Shaoil leam gu ’m bu mhath an gniomh e; Ach ’n uair a chaidh mis’ dha iarraidh, ’S ann a dh’ fhas e coimheach iargalt. [TD 131] An sin chunnaic mi mo mhearachd, Do nach d’ thug mi trāth an aire; ’N ait’ an cairdeas a bhi mairreant, Chaill mi m’ airgiod a’s mo charaid. ORAN DO DHUCHD WELLINGTON, COMMANDAIR AN ARMAILT BHREATUNNAICH, AGUS ARD CHEANNAS ARMAILT FHAICHILLEACH NA FRAING. O EIRINN! fhuair sinn buaidh na maise, Wellington ard ghradh nan gaisgeach, Comandair nan Arm calma tapaidh, Bheireadh buaidh a’n cruas a bhatail. Aig Waterloo siubhal sanntach, Comhraig dhian rinn mīle bantrach; Fhuair urram thar cach sār chomandair, Choisinn buaidh air Sluagh na Frainge. [TD 132] Ri uchd namhaid dana reachdach, Riaghladh chaich fo sgail nam Bratach, Seoilte, ciūin a’ dusgadh caismeachd, A dhuil ’s a threoir a’n seōid nam breachdan. Leomhan mōr an tōs a bhatail, Fiamh no sgāth gu brath cha ghlachd se; Rusgadh lann le sannt a b’ ait leis, ’S lamhach nan arm le garbh sgāirte. Flāth na h-Eirinn speis nam buachaill; Gaol nan saighd’ear ’s toinnte buaidh leis; Bheireadh barr ’s gach ait’ am buail se, ’S le lamh laidir tāmh an uachdair. Ceann a ghliocais ’s gibhtean dearbhta, Suil na h-iolair ’n ionad fearga, Choisinn meas le sliochd na h-Alba, ’S fir na h-Eirinn treun fo ’n armachd. RAON CATH WATERLOO. RAON na sgriosa, slios nan taibhse, Fuil ’g a doirteadh, brōn na maighdeann, Tubaist na mnaoi, claoidh nan saighd’ear, Bu lionmhor mac nach fhac an oidhche. [TD 133] DO CHOMUINN NAM FIOR GHAIDHEAL. Roi’-Radh. *DAN a Bhaird is ūra lamh, Bha ceithir bliadhna ’s fichead na thāmh; Thug feartain fir nan Ard-bheann, Srad-chuisle d’a Cheolraidh gu rann. Deagh-ghean a Bhaird gu binn, Do chomuinn clann nam Mor-bheann, Fileanta, deas-labhrach grinn, Aig aithris Gaelic is fearr loinn. * The Poet’s lay that’s new at best, From four and twenty years of rest; The virtuous state of Morven’s sons, Rous’d his poetic vein and sings. [TD 134] Is speiseil gniomh nan Sār-mhac, Aig altrum Gaelic le deagh bheachd, Caint ’ur Sinnsreadh bu mhor tlachd, Gabhaidh fo sgiath ’ur mōr neart. Dion o namhaid ’ur cainnt, chlann mo rūn, Cumaibh gach facal dh’i sabhailt mar bhall sùil; Spèis a’s urram d’a cairdean, taing a’s cliù, ’S e ceud-ghin a Bhaird, failt a’s muirn. AIR FONN—“Theid mi le m’ dheoin dhuchas Mhic-Leoid.” I—Clann na Mor-bheinn. Gu Mor-bheinn gun dail soraidh le failt,’ Ionad nam Baird Alabannach; Gaidheal nan stuchd, buidheann mo rūn, Sòlasach, ūr, feara-ghleusach; Clann Mhoirbheinn mo thlachd, ceolmhorach ait, Foghlum na mac seanachasach, [TD 135] Gaisgich nam beann, fasgadh d’an cainnt, ’S blasdail o cheann Earra-Ghae’lach. II—Eididh Ghaidhealach. Clann Mhoirbheinn mo run, òrdail ’s gach cūis, Osan fo ghlun geala-mhaiseach, Bonaide breachd ’s feileadh nam pleat, ’S breachdana daitht’ meanbh-bhasach; Claidheamh nam bēum ullamh gu feum, ’S biodaga geur geala-shliosach, Siubhail nan gleann, buidhean nach fann, Brog iallach theann ’s barra-fhraochan. III—Cogadh no Sith. ’N cogadh no sìth macanta, mīn, Gaidheal o’n tir gharbh-ghlacach, [TD 136] ’N aonach nan cnoc gaolach gun lochd, Meangan nan stoc seanachasach; ’S Gaelic nam beul, cànain na FEINN, A dh’aithris gach sgeul sheana-chnacais; Mar smeorach nan geug ceol’or gun’ bheud, Siubhail nan sleibh deanna-chăsach. IV—Cruinneacha Cath. ’N àm tionail na sonn tarraing air lonn, Barrandach trom armailteach; Gaisgich nan carn tlachdmhor neo-mhall, ’S bratach ri crann anabharrach; ’S caismeachd d’an tir speala na piob, Faiceil gu strì meanamhaineach; Finealt nam beus iomaird gu strèup, ’Gearradh nam beist ’s fearg orra. [TD 137] V−Comhraig Cath. A’n cruadal a chath suaicheantach math, Uaislean nam flàth tàrbh-bhuilleach; ’N uair shìneadh iad crosd-chiteadh gun toirt, Cinn ann air dhroch charbhaireachd; Le’n cuilbheiridh gleust ’s loma lanna geur, A’ gearradh le treun feara-bhuillean, ’Schiteadh nan déigh cuirp air droch ghreadh, Nan cutan air feur gairisneach. VI—Iomain na Ruaig. ’N àm iomain na ruaig cas-leumach luath, Mar Eilid nam bruach, calg-bhiorach; Mar aitidh nam beann, gearradh nan gleann, Faram le srann *borb-thuileach; * Unresisting flood. [TD 138] Gur coimeas doibh féin clis-fhear nan speur ’S mire na féidh garbh-bheinneach; Mar thonnan a chuain clisgeadach buan, Cabhaigeach luath leanamhuinneach. VII—Clann nan Gaidheal an guailibh a cheile. Na Gaidheal gu leir an guailibh a cheil’, Gach talamh d’an d’theid ’s ainmeil iad; ’S firinneach ceart *urlann na feachd, Dileas a’n gleachd teanna-charaid; D’an caraidean gu leir cothromh na Feinn, Ceann-uidhe gach sgeul ’s argumaid; Gu faicilleach ciuin tagairt gach cùis, Cultaice ri taobh seana-charaid. * The flower of the army. [TD 139] VIII—Deoch an Doruis. ’N ām suidh mu’n bhord bruidheann ’s ag ōl, Iurramach cōir buan—sheasmhach; ’S ceolmhorach ait, cānainneach pailt, Mānran na mac buachailleach; Oran nam beul ’s cairdeas d’a reir, Ag aithris gach sgeul buaidh-larach; ’N ām tarraing o’n bhord leasaich an stop, Deoch an Doruis, sgal mhor shuaicheantach. AM MEALLADH POSAIDH. CHAIDH mo mhealladh ’n oidhche phōs mi, ’S mor gu ’m b’ annsa bhi ’s an Olaint, Na bhi ’g eisdeachd ris an ōg bhean, ’S i ’g am scaldadh beo le teangaidh. Ho gu tha mi air mo mhealladh, Ciod e stā dhomh bhi ’g a ghearan? Ho gu tha mi air mo mhealladh. [TD 140] ’S ōg a rinn i ormsa toiseadh, ’S cha sguir i dhiom fhad ’s is beo mi, Ach sior mhaoidheadh ormsa stōras, Och mo leon nach i bha falamh! Ho gu tha mi, &c. Feumaidh ise bhi na maigh’stir, ’S mise geilleachdain ’s gach am dh’ i, ’S ’n uair a dh ’eireas oirr’ an t-angar, Bidh ’n comand aice ge b’ oil leam. Ho gu tha mi, &c. Ma labhras mi focal cainnte, Fāsaidh ise sin co aingealt, ’S ann a mhaoidheas i ’sa cheann orm, ’S teichidh chlann gu cūl an doruis. Ho gu tha mi, &c. Bheirinn comhairl’ air gach oig-fhear, Gu’n e thoirt a ghaol do’n oigheag, Ged bhiodh airgiod agus or aic, Na leigibh dhoibh beo bhur dalladh. Ho gu tha mi, &c. [TD 141] Bithibh eolach air am beusan, Mu’n d’thoir sibh moran spēis dhoibh; ’S ionainn coimeas corp na Ceiteag, Ris a spreidh theid eug is t-earrach. Ho gu tha mi, &c. Saoilidh sibh ma bhios iad boidheach, Nach ’eil cunnart dhui’ nach cord sibh; Gheibh sibh iad ’s an gruaidh mar rōsaibh, ’S guth am beoil mar ghāth na nathrach. Ho gu tha mi, &c. Feumaidh esan a bhi cordaidh, ’S deanamh leis an tē a phōs e; O na tharladh dh’a bhi gorach, Chā dean fear tha beo ris malairt. Ho gu tha mi air mo mhealladh, Ciod e stā dhomh bhi ’g a ghearan? Ho gu tha mi air mo mhealladh. [TD 142] ORAN LE AINDRA MAC-ALDOMHNUICH, A BH’ ANN AN DUN-EUN, Air dha’ bhi ann an tinneas mor. AIR FONN—“’S mithich dhomhsa bhi turs’geadh.” THI chuir mise gu leabaidh, Gur ann agads tha m’ eiridh; Dh’aindeoin cungan an domhain, Cha dean sinn gnothaich as t-eugais; Mu’r d’thoir Thus’ an coimisein, Cha dean ni dhiu bonn feum dhomh. ’S tric a rinn thu rium cairdeas; Cum do lamh rium ’s mi m’eiginn. Cum do lamh rium, ’s mi m’eiginn, Fulang ceusadh na feola; Cha dean cungan bonn feum dhomh, Mu’r d’thoir thu fhein dhoibh an t-ordugh. [TD 143] Tha mo nadur air fheuchainn, ’S mi aig eigheachd le doruinn; Le cridh’ fuar, ’s e gun eud ann, ’S mor tha dh’fheum aig air sōlas. ’S mor tha dh’fheum aig air sōlas, ’N uair tha ’n fheoil air a claoidheadh, Fulang truaighean a pheacaidh, ’S mi gun neart, no gun chuimhn Liuthad raoghain a fhuair mi; Ged nach d’bhuannaich mi’n t-aon ni, Dh’fhag sud mise nam thruaghan, Bodhar truagh gun bhi cluinntinn. Thi tha uile lan bhuadhach, Dean an cruas ud a leaghadh, Agus fosgail mo chluasan, ’S cuir gu gluasad mo mheodhail; Tarraing mise le d’ chordan, Gu dorus trocair do thighe; Cum a’ sud ri mo bheo mi, ’S thoir dhomh cōir air bhi feitheamh. Sud a chōir tha mi ’g iarruidh— Gu’m bi Criosda dhomh cairdeach, [TD 144] Dhoirt fhuil air cranna-ceusaidh, Dheana feum do shliochd Adhamh; Ged tha mise neo-thoilt’nach, A’s na m’ throitear air t-aithn’ta, Dean le d’ Spiorad mo sheoladh, ’S cum an comhnuidh do lamh rium. Nise fosgail mo shuilean, ’S cuir a dh’urnuigh gun dail mi, Agus teagasg mo smuaintean, ’N uair tha osnuich a bhāis ann; Stiur mo cheumana direach, ’S thoir an tiom mar is āil leat, ’S cuir do ghras ann a m’ anam Chum ’s gu ’n lean mi gu brath thu. Thig a nise le sōlas, ’S thoir dhomh eolas air labhairt; Le do Spiorad bi co’dach Gu ’m bheil trocair ri fhaighinn; Thoir dhomh roinn dheth na phortion Fhuair Pol o do chathair; Cum gu h-iosal mi ’n cōmhnuidh, Deanadh bron air son m’ aighear. [TD 145] ’S bochd a’ sgeul tha ri ’g rāite, Gu ’m bheil nadur na feola ’G iarruidh toil ’s a cid mianna, Thi cuir srian annta comhla; Tha i nise air a ceusadh, ’G iarruidh deirce de shamchair; Mu’r d’thig furtachd a’ dēigh so, ’S beag a dh’eisdeas i dhomhsa. ’S beag a dh’eisdeas i dhomhsa, Mu’r bi comhnuidh ni’s fearr aic; Le do Spiorad bi co’dach, Gu ’m bheil cōir dhomh air tearnadh; Thoir dhomh tuigs’ agus eolas, Bho na’s portion de d’ ghras e; Cum-s’ faisg ort mi ’n comhnuidh, ’S thoir troimh Iordan a bhās mi. Ach gu ’n deonaich an t-Ard Righ E chuir ’n iarrtas ud fathast, Dh’agaireadh cosna Chriosda, Bheir gach pian as an rathad; Cha do thoill mi thaobh gniomh e, ’S ni nach b’ fhiach mi gu faighinn; [TD 146] Ach ’s tric ’thaisbein thu trocair, Air fear leointe ’se feitheamh. Tha mise coslach ri Pharaoh, ’Nuair bha phlaighean air lionmhor, ’S ’n uair a gheibheadh e dāil annt; Dh’eireadh ardan a’s miann ann; Tha sinn uile d’ shliochd Adhamh, Bhrist’ an aithne thug Dia dha, Chaidh siol de sud ann ar nadur, ’S thug e ’n airde meas fiadhaich. Thug e ’n airde meas fiadhaich, Cuid ri breugan ’s ri mionnan, Cuid ri neo-ghlain’ ’s ri meirle, ’S Cha ’n’eil aithn’ air a cumail; Thuit sinn cuide ri Adhamh, Anns a gharadh ud uile, ’S chuid a thogas tu’n aird’ dhiu, Thoir dhoibh gras bhios ’ga ’n cumail. Ach ’s beag ’bheir’inns a dh’eiseachd, Do luch’d bhreugan a’s mhionnan, N’ uair a chith’d air an fheill iad, Cha bhiodh an deiligeadh cumair, [TD 147] Cuir an anam ’na eiric, Leis an eud bh’annt’ gu buinnig, ’S ’n uair a fhuair iad ri cheil i, Chaidh iad reis do ’n tig leanna. Bheir’inns comhairle sheolta, Dha an oige tha ’g eiridh, Fhad ’s tha tairgs’ ac’ de throcair, Gun bhi gorach mu dheithinn, Tha cuid le ardan ’s le prois dhiu, Caitheamh moran gun fheum dheth, ’N uair thig aois agus leon orr’, Bhith ’s iad bronach an deigh so. Ach seall thusa ri seann duin’, Le a cheann an deigh liathadh, Agus aodann air preasadh, Chas cha sheas i le caola; Cha ghabh oige n-ur leithsgeul, ’S cha ’n eil geilt orm a innseadh, ’N uair thig maor dh’ an ur saradh, Cha ’n fhear fabhar an t-aog dhuibh. ’S beag a chuir mi ri aireamh, Gu de b’ fhearr dhuinn a dhaoine, [TD 148] Cha dean urnuigh gun bhlaths sinn, Ach n-ar fagail ni ’s faoine; ’N uair tha ’m peacadh aig arach, Anns gach cearnuidh dhe ’n t-shaoghal, ’S mor tha dh’ fheum air ’na grasan, ’Se ’m Fear-Tearnuidh bheir dhuinn iad. Cum do lamh rium gu cairdeach, ’S thoir dhomh grasan a mholaidh; Oibrich creidimh os ’n aird orm, Gus an araich e m’ anam; Dh’fholaich mise mo thāland, ’N uair a b’fhearr dhomh bhi malairt; ’S ’n uair tha gairm thun a bhāis orm, Dean dhe t-fhabhar mo ghlanadh. Tha mo smaointean gun aireamh, ’S aobhar năir’ dhomh an aithris, Ach ma runaich thu dāil dhomh, Thoir dhomh grasan na caithris, Dean mo stiūradh a’ d’ roidean, ’S thoir dhomh eolas bhios fallain, Mar thug thu roimh do Iob, ’N uair bha e leoint ’g a do mholadh. [TD 149] Fosgal suilean mo thuigse, ’S cuir ni ’s trice mi dh’ urniugh, Ris an TI th’ air a chathair, Dh’ fhosgail Flaitheanas dhuinne, Ged a dhuin sinn i rithist, Le ar cridheachan dubailt; Fhuair am peacadh fo dhuais sinn, ’S aobhar truais sinn gun iompa’. Cha ’n ’eil mi tuille gu labhairt, ’S ann a chaidh mi dana; Dean a nise do thoil rium, Ma ’s a deirce de shlaint e, Ma ’s a trioblaid tha feumail, Dean mi rēidh ris na ’s āill leat, ’S cuir mo chridh air a ghleus ud, Chum ’s gu’n eigh mi riut tearnadh. [TD 150] MARBHRANN DO LACHUNN MAC-AN-TOISICH NA MOIGH, AGUS CAIPTEAN CHLOINN CHATAIN, LE EOIN MAC-SHEUMAIS. CRADH na’n cradh, mar tha sinn uile gu leir Thuit ar cridhe gu lar, ’mhain gu iomal ar cleibh Thug ar n-aigne le stri, sinn fein gu silleadh nan deur, Och is ochain a choidhch! tha di-chuimhn’ uainn ’s bu bheud, Gun thaisg sinn ar ceol, ar morchuis agus ar gleus, Ar n-onair ro mhor, Ceann-sloigh air bharachd na’n ceud; Sir Lachlun na strōl, na corn, ’s na bratach, ’s na’n teud, Och m’ an-ochdair mhor, gun t-fhaicinn gu lō’n t-sleibh. Mo mhulad ata, ’s mō chunnart gu brath a’ d’ dheigh, ’S trom duilich ata, do chinneadh an drasta fein [TD 151] Cha ’n airgead, ’s cha ’n ni, ’s chan ’s ōr ata dhi na spreidh Ach Ceann-feadhna nam buadh, ga ’m bu shaibhreas tuath ’s luchd teud. Ceann-feadhna gun fheall, bhiodh gu meadhrach an ām na speic. Gu ma mheadhrach do ranc, ’n uair a dh’eigh tu t-adbhans’ gheur Bu tu n-airidh gun sgā, bhiodh gu misneachail ladair treun, ’S lionmhor fear agus mnāi, trom duilich mu d’ bhas fhir threin. Eadar islean is uaislean, an criochaibh taobh tuadh gu leir Fir a spīonadh an gruag, lān mi-ghean is gruaim ’na d’dheigh; Tha do chinneadh fo ghruaim, ann an cumha ro bhuan ’s ro gheur Dheagh Shir Lachluin nam buadh, ’s ann a’ Sasunn a fhuair thu speis. [TD 152] Fhuair thu tagha gach cliu, ’s bha thu teoma air cul do sgeith Mar a stailinn gun fheall, nach bristeadh gu brath ’s nach geill Leat nach b’ eagal a bas, deagh fhead thoirt air cach ’s bu bheud, ’S air ceud mile ’n ōr fhial, ’s tu nach deanadh gu brath a bhreug. Chaidh a chuibhle gu ceart, ’s bha sith a cuir leat gu treun, Dh’ aontuich cridhe gach neach ’s thainig gaoth oirnn a deas lē seid; Fhuair thu soirbheas neo-mhall, agus aiseag gu t-aros fein, ’Sann an Eilein na’n ramh, a ghabh thu gu tamh na dheigh. Tigh foirmeil nan tūr, nan organ a chiuil ’s nan teud, Gum b’ ainmeil do chuirt, thug Albuinn an cliu dhuit fein; [TD 153] Bu gheal ’s bu dearg iad ’nan gnuis, ’s bu bhiodheach an snuadh ri grein, ’G iomairt pios bhiodh aca ’g ol fion, ’s fearr blas nam beul. ’Nuair thigeadh ’n oidhch’, bhiodh lasadh air coing’libh cēir Fomairt taileasg bi’dh aca, bithidh fileirean aca is beus; Bithidh do thaileasg air bord, aig do chathraichibh mora fein, Piob ga spealadh a’ d’ chlousa, is farum aig fonn nam teud. Cha bi nonaid bha chli, do Bhain-tighearna rioghail fein, Seal mu’u eiridh a ghrian, gu’m bu bhoidheach a gniomhraibh fein Biodh a maighdeana min, air gach taobh dh’i cur sios a gleus, Miann Marcuis is Diuchd, bhi ga faicinn le ’n sūilibh fein. [TD 154] Fhuair thu meas thair gach mnāoi, an gliocas ’s an gradh ’s an ceill, Agus misneach nach gann, chaidh thu shasunn ’s cha b’ ann gun speis, Bha fios aig Breatunn mar bha, nach b’ easuidh dh’i h-aileas fein, Deagh Shir Lachlun an āigh, thighinn dhachaidh gun dail na deigh. Ged bhithinn sa ’m chlārc, a m’ bhard a’ m’ fhillidh na m’ eisg, Agus teanga’ na m’ cheann, labhradh gach cainnt fo’n ghrein, Dubh is peann ann am laimh, chuir onair mo ghraidh an geill, Sud an gnothach nach crioch, bhi cumha’ mo Thriabh a dh’eug. [TD 155] ORAN EADAR SAIGHDEAR AGUS A CHAIRDEAN A BHA GA CHOMHAIRLEACHADH. AIR FONN.— “Tha ’n oidhche nochd gle anrannach ’s tha ’n Geamhradh fada fuar.’ DO bheatha bho na thainig thu a Cinn-taile nuas, Cha ghoirid leam a thamh thu ann, ’s an geamhradh fada fuar; Seachd bliadhna leam gach seachdain ’s thu ’n aite aonarach bochd truagh, Tha mulad mōr a t-easuidh orm, lan airsteil agus gruaim. Ceud taing airson do chairdeis dhuit, cha’ nāis a chum mi uat, Ach droch shìd a bhi da m’ sharachadh, air chor ’s nach taruinn gluas’d Bha sneachda mor ’sna fasaichibh, is reothadh ladair cruaidh, Nach bu lear dhomh ceum do’n rathad, le cāthadh na gaoith tuath. [TD 156] Cha b’e meud na stoirm tha m’ earbsa chum thu uam, Cha ’n e a bha ga d’ chuimrigeadh, ach suiridh anns gach uair, Chuala mi sgeul iomra ort, ga innseadh anns gach ait, Nach robh maighdean an taobhsa Bhearaic, de nach d’ thug thu barachd graidh. Cha b’ ann a suirē bha mi, ged’ tharladh dhomh ’s an fhrī’, Ach sealltuinn air mo chairdean, ma fag mi fein an tir, Cha’n eil mo chrodh ’s na h-ardaibh, no mo lāthruichean ’sa bheinn, Is fear gun fhon gun aiteach de a stā ni e do mhnaoi’. Cha’n fhear gun fhonn gun aiteach thu, oir tha do chairdean mor, Cha sheasadh iad air mal dhuit, na ’n tamhadh tu ga’n coir, [TD 157] Cha ’n eil thu fein co doibheirteach, ’s nach dean thu beagan stoir, Is ga math a cheird an t-saighdeireachd, gur oighreachd i gun choir. S math aidhear agus foghlum, gus an ōige chumail suas, Aodach glan is sporsalachd, is ōl an dara cuairt. ’S nuair dh’ agaras aois coir ort, bu mhath comhnuidh am measg ’na tuath, Le innbhinn ghlan fhir-chinnidh, gus a fine chumail suas. Is cha ’n eil agams’ raidhean, ’s gun tamh mi fada beo, ’S mar sin cha bhi mi rapadaich, ri aitribh na ri stor, Gheibh saighdear Righ mar chaitheas e, do dh’ airgead is do dh’ ol, ’S bean ’nuair dh’ eireas subhac air, ’s cuir uaith ’nuair thig an lō. Sud b’ fhearr dhuit agad, aon bhean thaitneach-phosd’, A chuireadh rian air fasta dhuit, ’s a dheasuicheadh do lon, [TD 158] ’Se sud a b’ fhearr ’s bu cliutaich dhuit na te gun diu gun doigh, ’S ge mor do threis a eireachdas ’s e is deireadh dh’ i bhi bron. Cha ’n eil mi fein ag radhuinn, nach eil pairt do’n thubhairt thu ceart, Tha moran cuir ri barganaibh, bhios cearbach nan contract, Ma ’s ann a nī tha t-earbsa, gun luaidh air dealbh no tlachd, Cha n’ eil ach spiorad saoghalta ann, ’s cha bhi e daoman aca. Be sud mo thlachd ’s mo rūn, bhi air thus a bhrāgad. Ite dhearg am bhoinead-sa ’s mi ’g ullachadh gu geard, ’S e b-annsa na dol do’n mhuilean sin, le balg-mollach is e lān grain, Is togaidh Muilleir molltair as, ceud contrachd air a ghraisg. [TD 159] BEANNUCHADH BAIRD DO MHAC-AN-TOISICH. GU’M beannuich an Sealbh ri bheo laithean, Ogan fiachail triath na firinn, Mac-an-Toisich nam buadh, bhualadh mhiltean; Ceannard an t-shuaigh ga’n dual direadh, Catanuich chruaidh nach dh’fhuair mi-mhodh; ’S a leanadh an ruaig le buaidh chinnteach, Le urram feachd saighdear seilge, Bualadh ghaisgeach le duirnn dhearga, Tilleadh nan creach leat a dh’ earbuinn; Aon Mac-Toisich na h.Alba, T-eagal air chuantain na faire, Daingneachd mar charruig na cairge: Gliscas mar nathair do mheinmna, Cridhe neo-lochdach mar chalmon, T-eideach mar luirich mhailleach, T-intinn mar gheug urar fallain, Marcach nan each cruidheach seanga, [TD 160] Bheireadh air aghaidh ’s gach gābhadh, Tri Chait a suaicheantas mo ghraidh-sa, Cridhe is lamh dearg mar leomhan borb, Righ nan conaibh, mur cheann an Tuirc, Air luing nan crannac, mar Iasg fo cheise, Streap ri darrach, an t-sith sin leatsa, Fhleasgaich fhallain. ORAN DO FHEAR CHOILEACHI, LE EOIN MAC SHEUMAIS. AIR FONN−“Murt Ghlinne-comhunn.” ’S BEAG an t-ioghnadh mi chlisgeadh, Liuthad caochladh tric tha nam dhail Gur e dh’ fhag mo shuil sillteach, ’S mo chridhe gun mhisneach an drast; Ma ’s a fior a sgeul fuadain, Tha ga innseadh aig an tuath mu ’n chlar, Is truagh a Righ nach breug uam e, ’S gu faicinn gu luath thusa ghraidh. [TD 161] Ach gu faicinn do phiseach, ’S do Chlann air an lic air an robh cach, Ann an teaghlach a phailteis, Na maighdean ’s na macana tlū; Nam ban breagh ghruaidheach daite, Chuir a sgiathan a mach anns an ait; Fior Sliochd Uilleam-Ic-Lachluinn, Co bheireadh dhoibh masladh na tair. Ga b’e leubhadh do mhotto, Gum b’e sligh do choir-sa do ghnath, Bi’dh gu daingean ro dheonach, Fhir adhartuich mhor-chuiseach thlā; Bhiodh gu acfhuinneach treubhach, Neo-ghealtach ’nuair theid thu ’sna blair, ’S ga b’e leanadh raitreata, ’S tu nach pilleadh an eiginn no ’n cās. ’S mairg a chitheadh a Cipher, ’S nach leubhadh an litir is fearr, ’S bu ro mhath chitheadh am mīnnein, ’S nach bu leir leis damh biorach nan carn; Is amhuil sud ’s mar tha sinne, Do ’n gnath filleachd is dain, [TD 162] Gu de mu ’n deanamaid t-fhiachuinn, ’S na fir āluinn nan laidh ’san traigh. Sliochd Aillein bu treubhaiche, Reachadh onarach feumail an cās, ’S lionar colun gu’n eiridh, Bhiodh ’nan laighe fo chreuchdaibh an lamh; Le neart nan lannaibh bu gheire A call fola fo’n leintibh bhiodh cach, Bhiodh gach namhaid is ruaig air Le fir mo chridhe ga ’m fuadach gu traigh. Gur e ni tha mig ’g acain, ’S a chuir m’ inntinn fo airteal ’s fo phramh, Mo chaochail thu Lachluinn, Aghaidh aoillteachail mhaiseach an āigh, A Mhic-Aonghuis nam bratach, Chuireadh sīoda ri crannaibh an aird. ’S leis ’n gairmte sliochd Aillein, ’Nuair dh’eireadh iorghuill gu tarruing ’nan lamh. [TD 163] BEANNACHADH BAIRD. DEOCH slainte nam Fior Ghaidheal, D’am ’abhaist a bhi treun, A sheasadh an garadh, ’S gach bearn bhiodh fheum, Tha cinnteach bhi buadhach An guaillibh a cheil, Sa dheanadh gach Namhaid Na’n cairdean dhoibh fein. Translated. Here’s a health to True Highlanders, Sons of the Brave, Whose valour attests your descent, Ye stood in the breach our lov’d freedom to save, To th’ oppressor a death-blow have lent; When, shoulder to shoulder, the torrent you stemm’d, The laurel of victory circled your heads, Your foes have turn’d friends, of injustice asham’d, While admiring the fame of your deeds. [TD 164] ORAN DO DHOMHNULL MAC-AOIDH AIR BHI DHA AIR A THIONDADH AMACH A CRAGAIDH AIR FONN—“Coire-gorm an fhasaich.” IS cianail mi ’san ām so, ’S mi sir dhol do na gleanntaibh, ’S nach faigh mi comas ann, Ach a sanntuich mi fh’in; Ach ’s e ’n duine greannar, Leig fuireach dhomh bho shamhradh, Gus an d’ thig an Geamhradh, Gle theann air an ni. Is nam b’e Maigh’stir Baili, Bu mhaighistir do’n aite, Cha ’n fhaighinn comas tamh ann, Ged bhasuichinn fh’in; ’S ann a chuir e ’n ruaig orm, Gu būn na craige ruaidh, ’S cha bhi mi choidch gun ghruaim, ’S cha bhuannachd dhomh i. [TD 165] Is cruaidh an obair bath-chrith, Bhi sirreadh dol an nairde, Ga direadh is ga tearnadh, Gu brath is iad sgi; ’Nuair thig reothadh cruaidh oirnn, Cha ’n fhaigh iad fiu na druabaig, Mar d’thoir iad cār mu’n cuairt uainn, A suas feadh ’nan raon. Cha’n fhaic mi lias do’n ghrein ann, Aon latha ni mi eiridh, Leis a churachd bhreun, Tha na h-eis bho ’s ar c’inn; ’S ga math air a cuid aitich, ’S ro olc an t-aite tamh i, ’S cha bhi mi choidhch’ innt’ sabhailt, ’S cha tamh mi fein innte. Ach ’s ann a thig an cruadal, ’Nuair dh’ eireas a ghaoth tuath oirnn, ’Nuair theid mi ’n catha-ruadh leo, ’S ma ’m buannuichd mi cheann; ’S ged ruiginn an t-allt’ mor leo, Cha ’n fhaigh mi dad do sholas, [TD 166] Ach craobhan dona gobhlach, ’S e Gabhraibh thig ann. ’S ged ni mi suidhe laimh riu, Cha’n fhada ni mi tamh ann, ’Nuair chuimhnicheas mi m’ braigh, ’S e is fearr leam a dhol ann; ’Nuair thachras a bhean choir rium, Bithidh botal aic’ air sgornan, ’S gu faigh mi drama an tōs, Gun a stop a bhi ann Is nam bithinn fein am bharda, Gun innsinn so do d’ chairdean, An cliu a bh’ ort air airde, Bho ’n thainig thu ann; Bha thu banail suairce, Ri coigrich is daoine uaisle, Is mor a b’ fheaird an tuath A thighinn fuar ’na do cheann. Gheibh iad gach ni bhitheas feumail, ’S a mhaduinn ’nuair a dh’ eireas, Gun airgiod na gun eir’dh air Gun eiginn a bhi ann; [TD 167] Gheibh iad īm is cāis uata’, Martail is deoch ladair, ’S a h-uile ni mar ’s ail leo, ’S cha phaigh iad ach taing. ’S nuair theid mi seachad sios, Fhar n-abhuinn do na sgriodan, Bithidh Uilleam ’s a luchd riaghlaidh, Cur rian air an dram; ’S cha n’e stopan biosgail, Bhios aguinn bho na ghriosaich, Ach am botal pionta; ’S e lionta gus a cheann. ’Nuair thig tiom ar morning, Bithidh truinnseirean an ordugh, Is cupachan ro bhoidheach, Ga ’n ōl bho gach ceann; Bithidh farum feadh do sheomair, Le fidheil a th’ aig Domhnull, Clann nighean ’s gillean ōga, Cur seol air an damhsa. [TD 168] ORAN DO MHAIGHISTEIR MACCULLOCH A BH’ ANN AM BAIL-NA-GOBHAN AIR BHI DHA AIG LAGH AIRSON CUIS CHRUAIDH. Is cuiridh sinn na rainn-sa mu’n cuairt, Do dheagh MacCulloch tha so thuas, Is lionmhor duine bha for ghruaim, ’Nuair bha thu bh’ uainn air allaban. Oh cha ’n eil mulad oirnn, C’arson a bhitheadh mulad oirnn, Curam cha ’n eil oirnn na gruaim, ’S fada uainn a ghabhadh e. ’S ge do do tha na gaidheil gann, Bheirinn car orra anns an rann, ’S bu tinn leis gach fear a cheann, A ghabhadh ām gu t-fhaighinn uath’. Oh chan’n eil, &c. Ach ge d’ thainig thu ’n ti gh-gheaird, Cha reachadh tu do ’n tigh a b’ airde, ’S bhitheadh luchd-fearruinn agus ait’, Mu na chlar a caitheadh uait’. Oh cha n’ eil, &c. [TD 169] ’S leat MacAoidh o’n mhuir thuath, Rothuich Pholuis is ailte snuadh, Daoine measail choisinn buaidh, Is Locart Ross bho dhruim a chuainn. Oh cha ’n eil, &c. ’S lionmhor fear ad agus bhota, A shiubhladh fada leat ’s a choir, Rossuich agus Clann MhicLeoid, ’S na bha Chloinn Mhic Culloich beo. Oh cha ’n eil, &c. Is calpa cruinn thu measg ’nan ceud, Is drobhair tha math air an fheill, Bhiodh do ghilleann ’na do dheigh, Leis na h-eich a bhuithneadh reis. Oh cha ’n eil, &c. ’S lionmhor duine leis am bu bheud, Gun reachadh do theaghlach an eis, Do bhean thapaidh mar riut fein, Bho Chloinn Mhic Culloich sibh le cheil. Oh cha ’n eil, &c. Is caite faic mi an deas no ’n tuath, Coslas do mheas maiseach suairc, [TD 170] Clann nigheann agad ’s ailte snuadh, Is fāighneachan do ’n ōr ’nan cluais. Oh cha ’n eil, &c. Is tha do sgoilleirean glan ōg, Anns a Cholaist air am bord; Is dhuraichdinn an claisinn posda, ’S an tuath a bhi cinneachadh fopa. Oh cha ’n eil, &c. Is lionmhor bochdan a bha fo chradh, Anns an fhearann robh thu thamh, A ghuidheadh leat air tir is air sāil, Thu thighinn dhachaidh so gu slān. Oh cha ’n eil, &c. ’S a bhliadhna sīn iad riut ri stri, Ged’ chaith thu pairt do nī, Chaidh thu bhaile mor an Righ, Is fhuair thu dhachaidh le do shith. Oh cha ’n eil, &c. [TD 171] CUMHA SHEUMAIS MHIC-AN-TOISICH, TIGHEARNA FARR.* AIR FONN—“Och mo mhuire ’s mo dhunaidh. OCH gur mise tha bronach, Bho na chual mi nach beo thu, Dheagh FHIR FARRA mo leonadh, Cridhe fialaidh gun ghō ann; Baidheil caoineil gun mhorchuis; Fearail uasal ’s bu choir dhuit, ’S tu chumadh ceartas ’s gach doigh ruinn, Ach tha thu nise fo’n fhōd anns a Chīll. Ach tha thu nise fo’n fhōd anns a Chill. Tha ’n duthaich uile dheth doineach, Tha do thuadh air an leonadh, ’S cha ’n ioghnadh sud dhomhsa, Oir cha ’n fhaic iad ri’m beo e; * The lamented death of this Christian, venerable, and patriotic character having occurred while the present Volume is in Press, the Author, in justice to his feelings, has cheerfully submitted to some inconvenience, in order that the present humble but heartfelt Tribute to the memory of departed Worth, might appear in its pages. [TD 172] A Strathnarrunn an comhnuidh, Neach a lionas do chota Chum seasamh an COIR dhoibh, Dheagh FHIR FARRA bu mhor dhoibh do phris. Dheagh FHIR FARRA, &c. Ceann-uidhe ’nan ceud thu, Dh’ fhas gu misneachail treubhach, Dheanadh comhnadh ri feumnaich, ’S leis nach b’ fhiu bhi ri eucoir, Chumadh coir anns gach ceum ruinn; ’S nach deanadh ar leireadh, Bu tu ’n Catanach ceutach, Och mo chreach sgar an ’t-eug thu ’s cha phill. Och mo chreach, &c. Cliu do ’n Ti a thug uainn thu, Nach d’fhag t-oighreachd gun Bhuachaill, ’S ge d’ tha Seumas fad uianne, Thig e dhachaidh thair chuantan, Gu riaghladh a thuadha: Agus Alastair uasal, Bhios na Sheanlair ’s dual leam, Dhearbh e mhisneach ’s a chruadal do’n Righ. Dhearbh e, &c. [TD 173] Do mhac eile ni fagam, Sīm mo chridhe an tarmunn, Lan do bhuaidhean nam Braigheach. Cridhe suairce ro chairdeil, Fearail cruaidh mar fhior Ghaidheal, Duineil stuama gun ardan, ’S e nach obadh an gābhadh, Nōtair tagairt gach cōir e fo ’n Righ. Nōtair tagairt, &c. Tha do Bhain-tighearna chliutach, S’ h-ōg Mhaighdeanan ciuine; Ro chraiteach a’s t-ionnas, Bho ’n la chāireadh ’s an ūir thu, An cridhe briste air an ciuradh, ’S deoir a silleadh bho suilibh, ’S mor an aobhar ’s cha ’n ioghnadh, Tha ’n Cul-taice, ’s na duchadh fo’n fho’d. Tha ’n Cul-taice, &c. [TD 174] ORAN DO UILLEAM DOMHNULLACH, ANN AN INBHIRNIS; AGUS DO ’N TURUS GU CILL-A-CHUIMEAN. AIR FONN— “Fhudud! fhudud! a Thighearna Ghrannt, An cuir thu ’n ceann gun fhuireach dhiomh.” A’s failt ort fein nis Uilleam choir, ’S e clann Mhic-Dhomhnuill is fine dhuit, A’s thachair thu rium air Dir-daon, Mar dhuine gaolach furanach. A’s thachair thu, &c. ’Nuair thainig sinn gus a cheud tigh-osda, Chuir thu dram air bord gun uireasbhuidh. ’N uair thainig, &c.* ’N uair thainig sinn gu ait ni b’fhearr, Bha diot air clair a’s cuireadh ann, * Gach da loinne an deigh a cheud rann ri bhi air an ath-airis. [TD 175] Bha Maighstir Friseal an sin ’s thu fein, Mar daoine treubhach urramach. S’ gu Cill-a-Chuimean thog sinn ar triall. A’s chrom a ghrian gu buileach oirnn. An t’uisg bha frasadh oirnn os ’n aird, Ma’s d’fhuair sinn aite fuireach ann. Bha ’n oidhche fliuch a’s i ro dhorch, Measg creagan garbh a’s cunnartach. Sin chaill mi fein a cheathairn choir, ’S rinn sud mo leon gu guineach ann. Ach thainig mi gu tigh fadheoidh, ’S cha d’fhuair mi toir air duine dhiubh. Ach deagh Mhac-a-Leathain o Inbherlochaidh, Bha e dhomhs’ na chuideachd ann. ’S ged bhiodh an oidhche co fad ri tri, Cha ’n fhasainn sgīth ’s e cuide rium. Sin thainig fear le feusag mhoir, ’S e cuir an ordugh ghunnachan, [TD 176] A thain’ an sin o Cirinn thall, Le daoine gāllt nach buineadh dhuinn, Ma chi mi rithist thu Uilleam choir, ’S iad sud na sgeoil mar chunna’ mi. ’S gu’n robh thu choidh a’ measg nam beo, San Rioghachd mhor tha maireanach. ’S ’n uair theid do ghairm a so a nunn, O duais fior chlann gu faigh thu ann. DEOCH SLAINTE. DEOCH slainte nam Fior Ghaidheal; D’am ’abhaist a bhi treun, A sheasadh an garadh, ’S gach bearn bhiodh an fheum, Tha cinnteach bhi buadhach An guaillibh a cheil, Sa dheanadh gach Namhaid Na’n cairdean dhoibh fein. [TD 177] BEANNACHADH BAIRD DO BHARD MHIC-LEOID. A s failt ort fhein a Bhaird Mhic-Leoid, ’S deas thig brog dhuit agus osan, Feileadh-beag a’s cota-gearr, ’S do dhealbh air sraid ann so cha’n fhaic sinn. Thogainn fonn gun bhi trom, Thogainn fonn ort a ghaisgich. DEOCH SLAINTE NAN GAIDHEAL DEOCH slainte nan Gaidheal, ’S gach bealach a’s braigh, Luchd feuchain an cairdeas, Feadh aireamh nan gleann, Luchd siul nam beann du-ghorm, Luchd seasadh nar ducha, Fir threubhach nach lubadh, ’S a stiuradh an drām. [TD 178] LINES ADDRESSED TO A MAN WHO WISHED TO “BANISH ALL POETRY OUT OF THE NATION.” SIR, in order to be plain, We’ll never ask your name again; But never frown nor surly look Upon a Poet or his Book: The tender heart and gen’rous mind A Poet ever likes to find, But selfish surly curs, I’m sure, No Bard in nature can endure. Whatever names adorn my list, The least compares with thine, I trust: So keep your money in your purse, Thy favours would degrade my horse. FINIS [TD 179] ERRATA. In Page 127, omit the 6th line from the top, and read the following five lines in its stead:— ’N uair is air an eiginn. Is aoidhe measg na cuideach thu, ’S cha scrubair thu mu’n fheudail, Is ro mhath ceannach drobh thu, ’S a bheireadh ’n corr do dh’fheumnaich; Page 52, line 7 from the top, for breaths read breathes. Page 68, line 5 from the top, for Glenmore read Kenmore. Page 116, line 17 from the top, read choidh cha. Page 117, line 2 from the bottom, for rinno read rinn. Page 119, line 12 from the top, for Ci’dh read bi’dh. Page 119 line 3 from the bottom, for airt read aire. Page 123, line 3 from the bottom, for aoibbneas read aoibhneas. Page 124, line 3 from top, for sgaile read sgailc.