[TD 1] NAIGHEACHDAN FÌRINNEACH (TRUE STORIES) [TD 2] [Bàn] [TD 3] TRUE STORIES I TRANSLATED INTO GAELIC BY “FIONN” WITH ILLUSTRATIONS PAISLEY: ALEXANDER GARDNER Publisher by Appointment to the late Queen Victoria 1905 [TD 4] LONDON: SIMPKIN, MARSHALL, HAMILTON, KENT & CO., LMD. PRINTED BY ALEXANDER GARDNER, PAISLEY. [TD 5] NAIGHEACHDAN FÌRINNEACH I EADAR-THEANGAICHTE GU GÀIDHLIG LE “FIONN” LE DEALBHAN PAISLIG: ALASDAIR GARDNER Clodh-bhuailtear, le a deòin rioghail fein, do ’n Bhàn-Rìgh Victoria nach maireann 1905 [TD 6] [Bàn] [TD 7] CLÀR-ÌNNSIDH. TAOBH DUILLEIG An Duine-Beag Sìthe, 9 Dà’idh Beag, 16 Naigheachd mu Ghrace Darling, 64 Caol-Theàrnaidhean air Uisge Eire, 73 Pòsadh Màiri Chaimbeul, 86 Cogadh a’ Phrionnsa, 105 Allaban a’ Phrionnsa, 197 DEALBHAN. MU CHOINNEAMH Dà’idh Beag agus Alasdair Saighdear, 24 Grace Darling, 64 Bóid Raonuill òig Cheann-locha-Mùideart, 114 “Buaidh! Buaidh!” 148 [TD 8] [Bàn] [TD 9] NAIGHEACHDAN FIRINNEACH. AN DUINE-BEAG SÌTHE. ANN an talla lùchairt righ nan sithichean choinnich r’ a cheile an righ, luchd comhairle an righ agus an luchd-frithealaidh mar an ceudna. ’N uair a bha iad cruinn, mar so thubhairt an righ: “Ann an dùthaich Pobull an Da-theanga far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lìonadh agus a’ tràghadh, tha mòran am miannachadh leabhraichean maithe chum an leughadh, oir cha ’n ’eil leabhraichean aca. Os bàrr, tha aig Pobull an Da-theanga mòran ùine air an làmhaibh agus cha ’n ’eil iad tuille ’s a chòir trang, mar so le bhi leughadh leabhraichean maithe cosgaidh iad an ùine gu ciallach agus gheibh iad eòlas air mòran de nithean a bhuineas do dhaoine eile mar an ceudna. A nis is i mo rùn gu ’n gabh mo Ghille-gnothuich an t-slatag òir so agus gu ’m faigh e leabhraichean maithe air son Pobull an Da-theanga [TD 10] a tha ’nan comhnuidh far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lionadh agus a’ tràghadh.” ’N uair a chuala a’ chuideachd sin a bha cruinn ann an luchairt an righ an ni sin a labhradh bha farum gairdeachais an sin agus ghlaodh iad a mach le guth mor “Beatha fhada do ’n righ.” ’N sin ghabh Gille-gnothuich an t-slatag òir agus shìn e as gu tìr Pobull an Da-theanga: ruig e aig àm na h-oidhche: bha iad uile ’n an codal: a stigh do sheòmar àraidh ghabh e: an sin bha fear ’na shuain chodail—bha àite comhnuidh an fhir so faisg air duthaich Pobull an Da-theanga. Leis an t-slataig òir bhuin e ri clar-aodainn a’ chodalaiche agus thainig fiamh-ghàire air a ghnùis. “Feuch!” thubhairt Gille-gnothuich, “chuireadh mise á luchairt righ nan sithichean leis an earail so gu ’d ionnsuidh: tha thusa ri leabhraichean maithe a chur ann an làmhaibh Pobull an Da-theanga a tha gabhail còmhnuidh far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lionadh agus a’ tràghadh.” A rithis thainig fiamh-ghàire air aodann a’ chodalaiche. Mar so fhreagar e: “Bithidh earail righ nan sithichean air a coimhlionadh gu h-iomlan.” Ghreas Gille-gnothuich air ais gu lùchairt an righ. ’S a’ mhaduinn dhuisg am fear a bha ’na chodal: chuimhnich e air a’ bhruadair òirdheirc a chunnaic e, oir chunnaic e fathast òirdheirceas Gille-gnothuich agus mhothuich e an t-slatag òir air clàr-aodainn. Direach air a’ mhaduinn sin fhein, air eagal gu ’n [TD 11] deanadh e di-chuimhne air a’ bhruadair agus air a’ ghealladh a rinn e, ged nach robh ann ach gealladh bruadair, ghabh e gu fear-deanamh agus fear reic nan leabhraichean maithe, agus mar so thubhairt e ris: “Thusa a tha ’nad fhear deanadh agus ’nad fhear reic leabhraichean maithe, an raoir bha agamsa bruadar a bha iomlan ann an òirdheirceas. Chunnaic mi Gille-gnothuich righ nan sithichean agus mar so thubhairt e rium: ‘Feuch chuireadh mi á luchairt righ nan sithichean leis an earail so gu ’d ionnsuidh.’ ‘Tha thusa ri leabhraichean maithe a chur ann an làmhaibh Pobull an Da-theanga a tha gabhail comhnuidh aig taobh na fairge far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lìonadh agus a’ tràghadh. Tha fios agadsa air leabhraichean maithe agus tha fios agad mar an ceudna air na h-àiteannan anns am bheil am pobull sin a’ gabhail comhnuidh; cuir leabhraichean maithe gu ’n ionnsuidh agus pàighidh mise thu.” An sin shuidh fear-deanadh agus fear-reic nan leabhraichean a sios agus bheachdaich e air na h-àiteannan sin far am bheil Pobull an Da-theanga a’ gabhail comhnuidh. Agus chuir e leabhraichean maithe agus freagarrach gu ’n ionnsuidh a reir am feum. Bha gairdeachas mòr am measg Pobull an Da-theanga air son an ni sin a rinneadh. Ann an talla lùchairt righ nan sithichean choinnich a rithis an righ, a luchd-comhairle agus a luchd-frithealaidh mar aig an toiseach. “Ciod ur barail?” [TD 12] arsa an righ, “thug sinn seachad do Phobull an Da-theanga a tha gabhail comhnuidh ri taobh na fairge far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lìonadh agus a’ tràghadh, leabhraichean maithe ri ’n leughadh: a nis teagaisgeamaid dhoibh ciamar a leughas iad na leabhraichean sin gu ceart. Cuireamaid do ’n ionnsuidh luchd-leughadh a tha eòlach air leabhraichean maithe agus mar sin gheibh Pobull an Da-theanga aighear agus bithidh meas ùr aca air leabhraichean maithe mar an ceudna. Bha a rithis farum gairdeachais an sin agus ghlaodh iad a mach le guth mòr, ‘Beatha fhada do ’n righ.’” A rithis shìn Gille-gnothuich as, a’ giùlan na slataig òir mar aig an toiseach, do ’n aite far an robh an codalaiche ’na shuain—oir bha ’n oìdhche ann—faisg air an tìr far an robh Pobull an Da-theanga ’nan comhnuidh. Leis an t-slataig òir bhuin e ri clar-aodainn a’ chodalaiche, agus a rithis thainig fiamh ghàire air a ghnùis. An sin labhair Gille-gnothuich: “Tha righ nan sithichean ag orduchadh mar so. Tha thu ri luchd-leughaidh a tha eòlach air leabhraichean maithe a chur a mach a dh’ ionnsuidh Pobull an Da-theanga, a chum agus gu ’m bi gairdeachas ’nam measg, agus gu ’m bi eòlas aca air leabhraichean maithe mar an ceudna.” Choinnich Pobull an Da-theanga, a bha faisg air taobh na fairge far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lìonadh agus a’ tràghadh, ’nan tallachan. An sin dh’ eisd iad ri luchd-leughaidh a bha eòlach [TD 13] air leughadh, a’ leughadh as na leabhraichean sin a fhuair iad. Corr uair bha iad a chum sgàineadh le lachannaich gus an robh an cliathaichean goirt; agus a rithis bha bròn mòr orra gus an robh na deòir a’ ruith a sios o ’n suilean: oir leugh na fir-leughaidh gu maith agus dh’ innis iad dhoibh mu aighear agus mu bhròin cridheachan clann nan daoine—aighearach maille riu-san a bha ri aighear, agus brònach maille riu-san a bha ri bròn. Uair eile chuireadh Gille-gnothuich gu tìr Pobull an Da-theanga. Mar aig an toiseach bha aige an t slatag òir. B’ i an earail a fhuair e an uair so gu ’n robh e ri fradharc a thoirt air ais do ’n mhuinntir sin a bha lag ’nan sealladh, oir bha Pobull an Da-theanga fada bho sgil agus bho ’n mhuinntir sin a bha cleachdadh eòlas eucail nan sùl; agus an uair a thig laigse air an sùilean feumaidh iad fulang le foighidinn mar a ’s fearr a ’s urrainn dhoibh. Dhoibhsan a bha dall cha robh leigheas ann: ach dhoibhsan a bha aosda agus ag iarraidh a bhi leughadh agus a bhi ag obair ach nach robh an comas trid an sealladh, rinn Gille-gnothuich feum mòr. Agus bha iomadh cridhe subhach anns na h-aiteachean sin ann an tìr Pobull an Da-theanga far am bheil làin a’ chuain mhòir gun tàmh a’ lìonadh agus a’ tràghadh, oir bha am muinntir ghràdhach air am fògaradh fada agus farsuing agus an uair a thig litir a duthchanna ceine, do ’n chridhe fann thig neart ùr agus bithidh aiteas ni ’s mo aca ’n uair a leughas iad an naigheachd le ’n sùilibh fhein agus cha ’n [TD 14] ann le sùilibh muinntir eile. Mar so thug Gille-gnothuich subhachas gu cridheachan Pobull an Da-theanga. Ni eile rinn Gille-gnothuich. Bha gràdh mòr aige air Pobull an Da-theanga, agus latha air dha bhi gabhail seachad dh’ amhairc e a stigh do bhothan beag agus an sin chunnaic e bean a bha aosda, tinn agus aonarach. Ach cha robh suim aig duine air bith. Ann am bothan eile bha caileag òg ’na luidhe: rinn na parantan na b’ urrainn dhoibh air a son, ach cha robh fios ro mhath aca ciod a dheanadh iad, oir bha an leanabh ann an cràdh mòr. Thoisich Gille-gnothuich air beachdachadh mar so. “Tha àireamh mhòr tinn agus aonarach, innsidh mi do ’n righ: theagamh gu ’n dean esan, mo thighearna, cobhair orra.” Dh’ innis Gille-gnothuich do ’n righ an ni sin a chunnaic e, agus dh’ orduich an righ gu ’m bitheadh e deanta, agus tha a nis aingeal gràidh a’ dol a stigh agus a mach bho thigh gu tigh. Do ’n chridhe a tha aonarach tha i a’ toirt comhfhurtachd agus cridhealais, agus a’ mhuinntir sin a bha aonarach cha ’n ’eil iad aonarach ni ’s mo. Far am bheil an leanaban tinn a chum bàis, far am bheil an t-athair no am mathair air an leagadh a sios le tinneas, an sin tha aingeal a’ ghràidh ’na shuidhe ri taobh na leapa a’ frithealadh anns gach feum agus a’ buileachadh an sgil a ’s airde air am bheil eòlas aig clann nan daoine. Agus an uair a tha an tinneas seachad, agus a thilleas an t-aon sin a bha tinn air [TD 15] ais bho gheataibh a’ bhàis, tha aiteas mòr air Gille-gnothuich, eadhon gus an ruith na deòir sios air aodann, oir tha fios aige gu ’m bheil cuid de Phobull an Da-theanga subhach air son an ni sin a rinneadh. Agus focal anns a cho-dhunadh. Choinnich Duine-Beag ri fear reic nan leabhraichean maithe agus thubhairt e ris mar so: “Faigh thusa muinntir a tha eolach air Pobull an Da-theanga, agus air an cainnt. Sgriobhadh iadsan a tha iomchuidh mu ghaisge nan làithean a dh’ aom, agus naigheachdan fìrinneach mu na laithean a th’ ann, ann an cànain bhinn, bhlasda nan Gàidheal.” Agus fhreagar fear reic nan leabhraichean maithe: “Bitheadh e eadhon mar sin.” Cha bhruadar an sgeul so, oir tha na nithean sin air an deanamh eadhon feadh Gàidhealtachd na h-Alba air an latha ’n diugh. [TD 16] “DÀ’IDH BEAG.” CAIBIDEIL I. “Agus treòraichidh leanabh beag iad.” B’E “Dà’idh Beag” aon leanabh Uilleam Gobhainn. Ràinig e an aois sin anns an tugadh e oidheirp, le faicill mhoir, air dol air thuras eadar dà chathair, ’s e air a mhisneachadh ’s air ’earalachadh le guth a mhàthar—“Thoir an aire ‘Dhà’idh, cum bho ’n teine, ’s ann tha thu tapaidh.” Agus ’n uair gheibheadh e seachad an turus sin, ’s a bheireadh e glaodh ait as, fhreagradh a mhàthair, ’s fiamh ghàire air a gnùis,—“Is math a rinn thu a Dhà’idh!” B’ e Dà’idh an t-aon a bu treise buaidh an tigh a ghobhainn. Cha b’ urrainn Cabhlach Bhreatunn, Arm na Frainge, Lagh na Rioghachd; seadh no ’n Righ ’s Mac-Cailein ged robh iad leotha, na nithean sin a dheanamh air an robh Dà’idh comasach. Bha cho math dhaibh feuchainn ri toirt air an t-sòbhrach fàs no air an uiseig seinn ri bhi farpais ri Dà’idh. Ged nach saoileadh tu e, bha e ’na sporadh fuathasach do dh’ obair. Mu ’n tàinig an gille beag bha ’athair a’ fàs car beag leisg. Cha robh e cho togarrach dol a mach do ’n cheàrdach [TD 17] anns na maduinnean fuara Geamhraidh ’s a b’ àbhaist dha. Bha e fas car caoin-shuarach mu gach cothrom a ghlacadh chum a chor saoghalta ath-leasachadh. Bha a bhean, Sìne, car socharach ’na dòigh, agus farasda chur dheth ’n uair a dh’ fheuchadh i ris a’ ghobhainn a bhrosnachadh gu gnìomh, agus feuchainn ri peighinn no dhà chur seachad air son latha na coise briste. Dh’ fhaodadh Sìne a bhi bruidhinn, ach ’n uair thainig an gille beag air bonn, chuir e ’n gobhainn gu smaoineachadh ciamar a rachadh cùisean le Sìne ’s leis an fhear bheag na ’m bristeadh air a shlàinte-san no na ’n tigeadh am bàs air. Chuir an cnuasachadh so neart ùr ann an gàirdean a’ ghobhainn agus chluinneadh tu fuaim shurdail aig an òrd air an innein o mhoch gu dubh. A bharrachd air so bha buaidh nach saoileadh neach, aig “Dà’idh Beag” air beachdan agus air caithe-beatha a’ ghobhainn. Bha deigh mhòr aig a’ ghobhainn air a bhi cònnsachadh ’s a deasbaireachd mu chuisean na rioghachd, ’s bu tric a chluinnteadh e a’ gearan mu ’n dòigh anns an robh cuisean air an roinn, agus an t-ana-cothrom a bh’aig an duine bhochd an coimeas ri fear na spàin airgeid. Rinn e suas inntinn nach biodh e aona chuid taingeil no toilichte gus an rachadh ath-leasachadh mòr a ghiùlan a mach ann an cuisean na h-Eaglais agus na Stàid. Ged nach d’ fhosgail bean a’ ghobhainn a beul mu na cuisean sin—cuisean nach d’ fheuch i ri thuigsinn—bha i ann an dòigh no dha a’ deanamh na dh’fhaodadh i chum a’ ghobh- [TD 18] ainn a thàladh gu dhachaidh fhein. ’Nuair thigeadh e dhachaidh ’s an fheasgar bhiodh an tigh reidh glan, bhiodh anart geal air a’ bhord, suipeir mhilis bhlasda air thoiseach air, agus aoidh air bean an tighe. Anns an dòigh so bha an gobhainn a’ fàs toigheach air taobh a theine féin. Fo theagasg a mhnatha bha e fàs taingeil toilichte le ’shuidheachadh ’s an t-saoghal agus gu h-ainmig a’ talach air a chrannchur. Cha b’ urrainn a sheana chompanaich a thàladh leotha anns an fheasgar, agus thréig e an Comunn Deasbaireachd gu buileach. Bha cuid ag radh gu ’n do thréig a mhisneach e, agus cuid eile gu ’n robh Sìne an deigh fhàgail na phleodhaisg bhochd. B ’e “Dà’idh Beag” a thug an t-ath-leasachadh so mu ’n cuairt. Bha aon fhailing bhig anns a’ ghobhainn a dh’ fhairtlich air a mhnaoi a thoirt as. Bha e ’na chleachdadh aig a’ ghobhainn mu’n do phòs e a bhi tachairt air beagan chompanach anns an tigh-osda air oidhche-paigheadh. Cha b’urrainnear a ràdh gu’m bu drongair e—cha do chaill e latha obair riamh air thàilleamh na dibhe, ni mò bha neul drama riamh air. Ach an déigh so uile ’n uair a shuidheadh e ann an oisinn bhlàith seòmar Alasdair nan Stòp le teine math air, ’s bannal chompanach mu ’n cuairt air, rachadh a’ chuach gu tric air chuairt agus cha bhiodh dìth air sgeulachdan ’s air orain; ’s ann an sin a chuireadh e uchd air, lasadh ’aodann le aoidh, agus leaghadh tasdain a’ ghobhainn ann an cròig bhuig Alasdair nan Stòp. ’Nuair ruigeadh an gobhainn a thigh fein [TD 19] cha robh aige mar phaigheadh seachdain ach na dh’ fhàg Alasdair nan Stòp ’na phoca. Cha robh Sìne gun eagal gu ’m fàsadh an gobhainn trom air an òl. Cha bu mhath leatha thoirt oirre fhéin a chreidsinn, agus idir cha bu mhath leatha duine eile ’ga ràdh, gu robh an gobhainn a fàs faoin mu ’n òl. Tha thu ceart a Shìne! Snàgaidh an donas a stigh a lion beag is beag. An tùs a thurais gabhaidh e smàdadh a mach agus an dorus a chrannadh air, ach aon uair ’s gu ’m faigh e seilbh, gleidhidh e na th’ aige agus dùinidh esan gu luath an dorus air gach ni tha glan, taitneach, boidheach agus fo dheagh-chliù, agus crannaidh e a’ chòmhla a’d aghaidh-sa agus an aghaidh “Dhà’idh Bhig,” seadh agus an aghaidh ni ’s fearr na thusa agus gach ni eile, agus lionaidh e an tigh le peacadh agus nàire, bochdainn agus eu-dòchas! Ach ’s e bh’ ann gu ’n do ruaig, “Dà’idh Beag” le ’ghàirdean treun an donas a mach. Thachair a’ chùis mar so: Feasgar a bha sin thàinig an gobhainn dhachaidh ’s deur beag air. Ruith an gille beag ’na choinneamh, thog ’athair air a ghlùn e. Thoisich am balachan air cluicheachd le ciabhan donn a’ ghobhainn, agus le iolach ag glaodhaich “Dad-à.” Sheall ’athair air an leanabh gu geur, bàigheil, agus seòrsa duilichinn ’na ghnùis. “Nach boidheach an leanabh?” arsa Sìne, ’s i ’g amharc air Dà’idh ’s a’ gàireachdaich ’na aodann. Cha do fhreagair an gobhainn i, ach bha e geur-amharc air an leanabh, agus a ghnùis a’ nochdadh gu ’n robh sac trom air [TD 20] ’inntinn. Mu dheireadh ars’ an gobhainn—“Tha sin seachad,” agus chuir e ’m balachan air an ùrlar. “Dé tha ceàrr? dé tha ceàrr?” ghlaodh a bhean ’s i seasamh mu choinneamh ’s a’ cur a dà laimh mu ’mhuineal ’s a’ cromadh a sios gus an robh a h-aodann teann air aodann-san. “Tha h-uile ni ceàrr, a Shìne!” “A dhuine chridhe, nach ’eil thu gu math?—innis dhomh ciod a tha ceàrr; o innis dhomh gu luath!” ghlaodh Sìne ’s i fo eagal. “Tha gach ni ceart a nis!” fhreagair e ’s e ’g éirigh ’s a’ togail an leanaibh ’s ga phògadh. An sin phaisg e gu teann ri ’uchd e, agus a’ togail a shùilean thubhairt e—“’S e Dà’idh ’s thu fhein a rinn an gnothuch. Buidheachas do Dhia is duine saor mi!” ’S ann a thuit seòrsa eagail air bean a’ ghobhainn, ’s cha robh fios aice c’arson. “Dean suidhe, a Shìne,” ars’ an gobhainn gu caoimhneil, ’s e siabadh nan deur o shùil, “dean suidhe, agus innsidh mi dhuit gach cùis.” Shuidh Sìne ri ’thaobh agus Dà’idh air a glùn. Rug an gobhainn air laimh bhig a leanaibh anns an dara laimh agus air laimh a mhnatha anns an laimh eile. “Ged nach abair mi gu ’n robh mi ’nam mhisgear,” ars’ esan, “bha mi gu tric mar nach bu chòir dhomh bhi, agus le còmhnadh Dhé, cha bhi mi mar sin gu bràth tuille!” “O, Uilleim!” arsa Sìne. “Leig leam dol air m’ aghaidh,” arsa Uilleam Gobhainn. “Nach brònach an sgeul,” ars’ esan, ’s e spàirn mar gu’m biodh rud-eigin ’ga thacadh”—“gu ’m faodadh e bhi gu ’n tugainn, air sgàth an uisge-bheatha. [TD 21] thusa agus Dà’idh Beag gus a’ bhochdainn, gu ’m fàgainn sibh le cheile ceann-ruisgte, cas-ruisgte, gun dachaidh ach Tigh-nam bochd—gu ’m bristinn do chridhe, gu ’n tugainn sgrios siorruidh air mo leanabh gaolach. Gu ’n tugadh Dia mathanas dhomh-sa!” agus dh’ eirich an duine laidir nach do chleachd anfhannachd a leigeil ris, agus phòg e bhean ’s a phàisde. “Tha crioch air, tha crioch air!” ars’ esan; “na bi caoineadh, a Shine. Buidheachas do Dhia air do shon-sa agus air son Dhà’idh, mo bheannachdan a ’s fearr.” “Ach Esan a mhain!” arsa Sine ’s i ’n crochadh ri mhuineal. “Amen!” ars’ an gobhainn; “agus a nis, a ghràidh, cha ’n abair sinn an còrr, tha crioch iomlan air a’ chuis. Thoir rud milis do Dhà’idh, ’s cuir an greim suipeir air dòigh.” Bha “Dà’idh Beag” ’na mheadhon air càirdean a tharruing r’ a chéile a bha fad bhliadhnachan air an sgaradh, agus air daoine a bha car fuaraidh r’ i chéile a tharruing dlùth. ’Nuair a phòs Sìne Chaimbeul an gobhainn cha robh na seann daoine idir ro riaraichte le cuisean. Bha cuid ag ràdh gu ’n robh iad am beachd gu ’m bu choir dhi ceile a b’ fheàrr fhaotainn. Bha aimheal orra gu ’n tainig an gobhainn riamh a dh’ ionnsuidh an taighe. Dh’ aidicheadh iad gu ’n robh an gobhainn ’na ghille coltach gu leòir, ach an robh ann ach “gobha dubh a’ ghuail” agus bha Sìne ’na nighinn ghrinn agus sùil aig na h-uile gu ’m biodh tochar math leatha. Ged a thug an t-seana chàraid an cead do ’n posadh [TD 22] ’s ged a rinn iad banais chridheil cha robh pròis riamh orra as a’ ghobhainn. ’Nuair a rugadh “Dà’idh Beag” rinn na seann daoine a suas an inntinn gu ’n rachadh iad a thadhal air Sìne. A dh’ ìnnseadh na firinn bha an t-seana bhean an sin ’n uair a rugadh an leanabh agus bha an tigh cho glan, gach ni cho pongail, agus an gobhainn e fhéin cho tuigseach, agus a bharrachd air a sin, bha a h-uile duine ’g ràdh gu ’n robh suaip mhòr aig an leanabh ri Dà’idh Mòr, a sheanair, gu sonraichte mu ’n bhathais, agus bha mar so an dà theaghlach ’gan tàthadh r’ a cheile, mar thubhairt an gobhainn e, agus dheanadh buille beag no dhà ’nan aon iad. B ’e “Dà’idh Beag” se fàs, an lasag ghaoil a bhlàthaich na cridheachan agus a tharruing iad ri chéile, gu sèimh sàmhach. ’S e bh’ ann mu dh’ eireadh nach robh uair a bhitheadh Dà’idh Mòr an rathad nach tadhlaidh e a dh’ fhaicinn a nighean agus ’oghachan (oir b’ e ’n aon ogha a bh’ aige), cluicheadh e leis a’bhalachan, ’s bheireadh e faidhrean g’ a ionnsuidh gach latha margaidh, agus sgillinn dha fhein an am fàgail. Bha an t-seana chàraid a’ tighinn chuige a lion beag is beag, gus mu dheireadh an d’ aidich Dà’idh Mòr gur e duine tuigseach pongail a bha ’na chliamhuinn, an gobhainn, nach robh iad idir ann a rachadh air thoiseach air ann an eòlas air eich, agus gu ’n robh e cho geur ris gach darna duine mu chùisean na rioghachd. Dh’ aidich an t-seana bhean nach robh a nighean idir cho fada ceàrr ’n uair a thagh i an gobhainn ged a dh’ fhaod- [TD 23] adh i fear a b’ àirde ann an inbh’ fhaotainn. Theireadh i ri seann Dà’idh Mor—“Tha mi fuathasach mor mu ’n bhalachan bheag aig Sìne, ’s e leanabh fallain, tlachdmhor a th’ann. “Latha bha sin, ars’ ise ’s fiamh-ghàire oirre,—“Nach ’eil thu fhein am beachd, a dhuine, gu bheil suaip mhor aig Dà’idh Beag ri Dà’idh Mòr.” “Theagamh gu bheil, theagamh gu bheil,” fhreagair an seann duine, “ach ’s ann a tha e daonnan a’ toirt am chuimhne-sa an leanaibh a chaill sinn o chionn deich-bliadhna-fichead.” “Bha sinn ’nam bheachd-sa cuideachd ged nach bu toil leam a radh—ach cha mhisde e bhi coltach ris an dithis,” ars’ an t-seana bhean. Cò bha fuireach ann an ceann an taighe ris a’ ghobhainn ach Alasdair Saighdear, a chaidh a leòn anns a’ chruachainn aig Blàr na h-Eiphit. ’S e seana fhleasgach a bh’ ann, a bha gu maith coimheach ’na dhoigh. Cha bu toigh leis farum na cloinne, ’s bhiodh e gu tric a’ bagradh teas a chur ’nan cluasan leis an t-slataig a bha e daonnan a’ giùlan ’na làmh. Is tric a thuirt bean a’ ghobhainn nach robh ann ach “duine féineil, coimheach.” Dh’ fheuch an gobhainn uair no dha ri bhi cairdeil ris ach air bheagan soirbheachaidh. Cha robh beachdan an t-saighdeir agus beachdan a’ gobhainn a’ teudadh, agus ’n uair a thòisicheadh an deasbaireachd rachadh an ceòl air feadh na fìdhle. Mu dheireadh thòisich an gobhainn air a sheachnadh—ag radh nach robh ann ach duine uailleil, aineolach. Ach [TD 24] latha bha sin co a fhuair a rathad a stigh do thigh an t-saighdeir ach “Dà’idh Beag,” chuir e a dhà laimh air glùinean an t-saighdeir, ’s e leughadh a’ phaipeir-naigheachd—agus sheall e ’na aodann. Chlisg an saighdear, ach bha e air a thàladh le boidhchead an leanaibh, agus thog e air a ghlùn e. Cha robh Dà’idh idir coimheach ’na dhòigh agus shuidh e gu toilichte air glun an t-saighdeir. ’N uair a thàinig a mhathair air tòir Dhà’idh bha ioghnadh a cridhe oirre ’n uair chunnaic i e air glun Alasdair Saighdear a bha cur ri canntaireachd— “So mar théid na h-eich do ’n mhuileann So mar thig iad as.” Thòisich bean a’ ghobainn air leisgeul Dhà’idh a ghabhail, gu ’n robh e cho luaineach ’na dhoigh ’s nach gabhadh e cumail aig an tigh, ach ’s ann a thuirt an saighdear gur ann a bh’ ann an Dà’idh gille smiorail, laochan tapaidh, agus thug e ’n “Caiptein” mar ainm air. An ath latha co thainig chun dorus a’ ghobhainn ach Alasdair Saighdear le claidheamh beag agus druma do ’n “Chaiptein.” Air an fheasgar sin co a shuidh aig taobh teine a’ ghobhainn ach an saighdear a dh’innis naigheachd an deigh naigheachd mu na batailtean a chunnaic e agus na cunnartan anns an robh e. Chuir Sìne an t-suipeir air a’ bhòrd agus o ’n latha sin bha iad uile ro chàirdeil. Bha teòsainn mhòr aig an t-saighdear do ’n “Chaiptein” ’s cha ghabhadh iad [TD 25] cumail o chéile. Air uairibh chluinnteadh glac mor gàire tighinn a ceann eile ’n taighe—co bha ris ach Alasdair Saighdear ’s e feuchainn ri “Teagasg-Arm” a thoirt do “Dhà’idh Beag.” Theireadh an saighdear ri bean a’ ghobhainn “tha Dà’idh Beag ’g am fhàgail òg a rithis, rùn mo chridhe!” B’i Peigi Ruadh, h-aon de bhana-choimhearsnaich a’ ghobhainn a thainig fo bhuaidh “Dhà’idh Bhig.” ’S e bh’ innte boirionnach usaideach, a bha toigheach air tigh na céilidh, ’s chluinnteadh a guth àrd reasgach mu na dorsan moch is anmoch. Cha bu toigh leatha bean a’ ghobhainn a chionn nach robh i ri fhaotainn an tigh nan coimhearsnach, ’s cha d’ fhuair Peigi a cas taobh stigh de stairsnich a’ ghobhainn ach aon uair, ’s bu leòir sin. Ach air do ’n leanabh a b’ òige aig Peigi a bhi tinn, smaointich bean a’ ghobhainn gu ’m bu chòir dhi dol a dh’ fheòraich air son an leanaibh. Na ’m b’e “Dà’idh Beag” a bha tinn gu ’m bu mhath leatha daoine thighinn a dh’ fheòraich air a shon. Thog i oirre agus chaidh i gu dorus Peigi ’s dh’ fheòraich i gu caoimhneil ciamar a bha Màiri bheag. Bha Peigi bhochd ciùin, iriosal; dh’ iarr i oirre tighinn a stigh. Rinn bean a’ ghobhainn so agus bhruidhinn i gu caoimhneil ris an té bha ’s an leabaidh, agus thubhairt i gu ’n tigeadh i a shuidhe le Màiri bhig leth na h-oidhche a chionn gu ’n robh a mathair air a claoidh le bhi caithris cho fada. Thug i leatha chlann a b’òige a chluich le Dà’idh, a leigeil le Mairi bhig cadal, agus chuir i an òrdugh biadh [TD 26] taitneach agus deochan milis do ’n te bha tinn. ’N uair chaidh i chun an doruis leo, thubhairt i gu ’n robh i an dòchas nach gabhadh i gu dona an ni a rinn i, agus gabh i a leisgeul fein ag ràdh “’N uair a tha leanabh aig te i fhéin, tha comh-fhaireachdainn aice ri leanaban dhaoin’ eile.” Mar so bha cridhe Peigi Ruaidh air a thoirt chuige, agus dh ’fhàs i càirdeil, ag ràdh—“Bha e fuathasach caoimhneil agus amharcach do bhean a’ ghobhainn an ni a rinn i. Tha i ’na beannachd do ’n choimhearsnachd.” Ach ’s e “Dà’idh Beag” a rinn e! Cha robh a’ choimhearsnachd anns an robh an gobhainn a chomhnuidh ach gu maith duaichnidh, ach bha a dhachaidh bhlàth sheasgair air thoiseach air aig crìoch obair latha. Bha e fhéin a nis glic cùramach ’s mar so cha robh dachaidh anns an rìoghachd a bu shona na tigh a’ ghobhainn. Bhitheadh an gobhainn e fhein ’s an fheasgar ’na shuidhe aig darna taobh an teine a’ leughadh a leabhar, agus Sìne, a bhean, aig an taobh eile a’ fuaigheal, ’s iad le cheile gu tric a’ togail an cinn a dh’ eisdeachd ri “Dà’idh Beag” ’s e a’ cleasachd feadh an taighe. B’esan ard-riaghladair an taighe, agus ’s iomadh ni a rinn iad air a sgàth! [TD 27] CAIBIDEIL II. FÀTH mo mhulaid ri innseadh, dh’ fhas “Dà’idh Beag” tinn. Thòisich e ri cùl a chur ri biadh ’s cha ghabhadh e toileachadh; an sin dh’ fhàs e gearanach crosda agus ’s gann gu ’n rachadh e dh’ ionnsuidh ’athar ’s bha e ghnàth ag iarraidh a mhàthar. Bhanaltraich ise e air a glùn, thulg i e is chòisich i an t-ùrlar leis, sheinn i dha a h-uile crònan is tàladh a b’ aithne dhi, chuir i ’na leabaidh e ’s thog i suas a rithis e; chlaoidh i i-fein a latha ’s a dh’ oidhche, gun smuain air biadh no cadal ach a mhain faochadh a bhi aig a leanabh. Ciod nach deanadh i airson an leanaibh! Mu dheireadh chuir iad fios air an lighiche, thàinig esan, chrath e a cheann agus thubhairt e gu ’n robh cùisean glé cheàrr. Cha ’n ’eil beachd agam c’ ainm a thubhairt e ris an anshocair, ach ’s coma co dhiu. Gus a so cha do bhreithnich an gobhainn no a bhean gu ’n robh “Dà’idh Beag” ann an cunnart. An latha sin a bhreithnich an gobhainn gu ’n robh beatha “Dhà’idh Bhig” ann an cunnart bha e mar dhuine a chaill a thùr. Thug na bha anns a’ cheardaich an aire dha a’ cur obair às a làmhan nach robh idir cho snasmhor ’s a b’ àbhaist dha a dheanamh. Bha fhios aca nach e ’n deoch a bh’ air, ach cha b’ urrainn iad a’ chuis a thuigsinn. An deigh mheadhon latha chuir an gobhainn air a chòta, ’s ag ràdh—“Feumaidh mi dol dhachaidh,” ghabh e mach an dorus mar fhear a bha ceart coma ciod a [TD 28] thachradh do gach crann is cliath-chliata a bha air ùrlar na ceàrdaich. Smèid e ri Lachunn dubh ’s thuirt e ris “Air sgàth sean eòlais cum sùil air gnothaichean air mo shon-sa gus am màireach.” “Ciod tha ceàrr air Uilleam gobhainn,” dh’fhiosraich na fir, ach cha b’ urrainn Lachunn cùisean a mhìneachadh. B’ ann air an latha ’na dhéigh so a thadhail am ministeir an tigh a’ ghobhainn. Feumar aideachadh nach robh an gobhainn idir cho tric anns an eaglais ’s a dh’ fhaodadh e. A dh’ ìnnseadh na firinn bha e air fàs caoin-shuarach mu eaglaisean, agus air uairibh ag altrum beachdan tuathal, neo-chrìosdail mu chreideamh. Ged nach do nochd e riamh gu ’n robh e ann am fìor cheannairc, bha e daonnan ’s a bheachd nach robh sud ceart ’s gu ’n robh so ceàrr anns an eaglais, agus nach robh anns na ministeirean—gu sonraichte iadsan a bhuineadh do ’n Eaglais Stéidhichte,—ach daoine gionach, lonach, a bha cumail air ais gach cothrom o’n t-sluagh chumanta, agus a ghnàth ’s gun tàmh ri miodal ’s ri moladh nan uachdaran; nach robh fear ’s an fhichead dhiu a’ creidsinn a ni a bha e ’searmonachadh, ’s nach robh am fear a b’fheàrr dhiu ach ag obair air son pàigheadh-latha. Tuigear air an aobhar sin nach robh sùil aig a’ ghobhainn gu ’n tigeadh Maighstir Ruaraidh a thadhal air. ’N uair ràinig am ministeir dorus a chathadh dh’fheòraich e, mar a chleachd e daonnan, am faodadh e dol ni b’ fhaide, oir bha meas aig air an t-sean-fhacal—‘Is righ gach duine ’na thigh [TD 29] fhein.’ “Chuala mi” ars’ esan, “bho na coimhearsnaich air an robh mi tadhal, gu ’n robh ar leanabh glé thinn, agus smaointich mi gu ’n gabhadh sibh mo leisgeul ged a thiginn a stigh ’s an dol seachad.” Rinn an gobhainn a bheatha, agus thug e àite-suidhe dha. Bha bean a’ ghobhainn taingeil gnùis a’ mhinisteir ’fhaicinn, oir bu chòir dhomh a ràdh gu’n robh a h-athair ’na fhoirbheach anns an eaglais Bhaistich, agus am measg aobhar eile a bh’ aige an aghaidh a’ ghobhainn an uair a thàinig e air tòir Sìne, bha so ann, nach robh e an dlùth-cheangal ri eaglais air bith. ’S tric a ghuidh a bhean air a’ ghobhainn tuille aire a thoirt do ’n eaglais, oir bha déigh mhòr aice fhéin air a bhi frithealadh tigh an Tighearna. Mar so bha i fuathasach toilichte am ministeir fhaicinn, oir bha meas mòr aice air. Ann an ùine ghoirid bha Maighstir Ruaraidh aig taobh na leapa anns an robh “Dà’idh Beag” ’na laidhe ’s ’na chadal. Bhean e do laimh fhiabhrasaich an leanaibh agus a’ tionndadh ris a’ ghobhainn ars’ esan—“A charaid tha mi duilich air do shon! Is athair mi fhéin agus dh’ fhuiling mi call a’m theaghlach.” Chaidh am facal “call” mar shaigheid gu cridhe a’ ghobhainn, ’s cha robh e idir aig fois. Mhothaich am ministeir dhà so agus ars’ esan—“Cha ’n ’eil mi ’g ràdh gu bheil thusa dol a chall do leanabh maoth, ach bha toil agam a leigeil fhaicinn duit nach ’eil mi gun aithne ’s gun tuigse mu na nithean sin oir thàinig mi troimh ‘na trom uisgeachan,’ agus tha comh-fhaireachdainn agam [TD 30] ri ’r cor aig an am so.” Gu sàmhach ghluais am ministeir a dh’ ionnsuidh na cathair mhòir aig taobh an teine, far an do shuidh e, agus shuidh an gobhainn agus a bhean teann air. An déigh dha éisdeachd le foighidinn ris a’ chunntas a thug bean a’ ghobhainn air an dòigh anns an do bhuail an tinneas “Dà’idh Beag” thubhairt e. “Ciod air bith a thachras is comhfhurtachd mhor fios a bhi againn gu bheil Dia ar n-Athair fiosrach air na bheil sinn a’ fulang, agus ciod e ar miann; agus gu bheil aig Iosa Crìosd, ar brathair, comh-fhaireachdainn leinn ann ar n-anfhannachd agus ann ar deuchainnean.” “Tha fhios gur aithne do ’n Diadhachd na h-uile nithe,” ars’ an gobhainn ann an guth maoth, “tha Esan cho mor ’s cho do-thuigsinneach.” “Tha,” ars’ am ministeir, “cho mòr ’s gur urrainn E aire a thoirt do na cùisean a ’s lugha a bhuineas dhuinn, agus cha ’n ’eil e cho do-thuigsinneach ’s nach urrainn cridhe athar fhiosrachadh agus a leanailt troimh a Mhac naomh. A! mo brathair,” chaidh am ministeir air aghaidh, “nach mor an neart agus a’ chomhfhurtachd do dhaoine, agus gu h-àraidh do luchd-oibre agus do phàrantan—gu sonraichte ’n uair a tha an clann a’ fulang—gu bheil Esan a chomharraicheas tuiteam a’ ghlas-eòin le fuarachd a’ gheamhraidh, agus a tha toirt an lòin do fhiadh-bheathaichean na machrach, làn eolach oirnne agus air ar rùintean dìomhair, air chor ’s gu bheil, mar gu ’m b’ eadh, ròinneagan ar cinn air an àireamh; gur aithne [TD 31] dhàsan, an t-Athair uile-chumhachdach a rinn na neamhan agus an talamh, na nithean air a’ bheil feum againn; agus gu bheil Esan a’ gabhail cùram dhinn ann an dòigh a tha do-thuigsinneach, a chionn gu bheil a ghràdh dhuinn cho mòr; gu bheil e toirt fainear do gach h-aon againn fa-leth agus a’ buntainn ruinn d’a réir so, agus sin cho mionaideach ’s ged a bu sinne na h-aon daoine a bha air uachdar an domhain; agus— “Amhluidh mar ghabhas athair daimh Is truas d’a leanbaibh maoth, Mar sin d’a fhìor luchd-eagail féin Dia gabhaidh truas gu caomh. Oir ’s aithne dhàsan agus ’s léir, Ar cruth ’s ar dealbh gu ceart; Gur duslach talmhainn sinn air fad Is cuimhne leis gu beachd.” Chrom an gobhainn a cheann agus bha e ’na thosd, agus dh’ éisd a bhean le làn aire—a h-anam a’ deothal a stigh gach facail. “Cha ’n ’eil e farasda, a mhinisteir,” ars’ an gobhainn do dhaoine bochda a tha air an sàrachadh, sin a chreidsinn.” “Cha ’n ’eil, no do dhuine beò,” fhreagair am ministeir. “Tha e duilich dhomh fhein a chreidsinn gu bheil e fìor, ged a tha fhios agam gu ’r i ’n fhirinn a th’ ann; agus,” ars’ esan, ann an guth caoin, caoimhneil, “theagamh nach robh fios riamh againn air, a chum a chreidsinn mur do theagaisg Dia dhuinn e tróimh bheatha a Mhic fein, a thàinig chum Esan a thaisbeanadh dhuinn. Ach mar a chì [TD 32] mi Esan a’ gabhail a’ chloinn bhig ’na ghàirdeanan gràdhach, ’nuair a chumadh iadsan, nach do thuig a ghràdh-san, air ais iad, ’s a chi sinn anns na nithe sin mar a thig fior ghràdh a nuas a shàsuchadh feum nan creutairean a’s laige ’s a’s bige, is ann a sud a tha mi tuigsinn ciod as ciall do mhòrachd Dhé—“d’ an ainm an Gràdh!” Tharruing am ministeir ’anail car tiota ’s an sin chaidh e air aghaidh. “A chionn ’s gu bheil mi faicinn gu bheil an gràdh so os cionn gràdh dhaoine naomha; tha e air a thaisbeanadh dhomh anns a’ chaoimhneas gràdhach sin d’ ar taobh-ne, mor ghràdh an Dé sin nach fhaca ’s nach fhaic suil, ach is léir do shuil an Spioraid a mhàin, direach mar thuirt Iosa—‘Esan a chunnaic mise chunnaic e an t-Athair!’ “Tha mi creidsinn na bheil sibh ag ràdh,” arsa bean a’ gobhainn gu seimh ciùin. “Cha bu mhiann leamsa mo leanabh a chumail uaith-san; ach O, a mhinisteir, tha dòchas agam gur ann a thogas e suas e, agus gu ’n dean e ruinne mar a rinn e riusan a bha ann an àmhghar ’n uair a bha e air thalamh!” “Tha mi ’n dòchas,” ars’ am ministeir, “gu’n caomhain Dia do leanabh dhuit, ach feumaidh sibh ùrnuigh dhùrachdach a dheanamh air a shon, a’ guidhe air Dia a chaomhnadh, ach feumaidh sibh ar n-earbsa chur ann an Dia agus ar leanabh a chur ’na làmhan gun fhiamh gun eagal agus a bhi strìochte d’a thoil-san anns gach nì.” “Tha sin cruaidh,” thuirt an gobhainn. “Cruaidh,” ars’ am ministeir gu caoimhneil. “An e gu ’n taghadh tusa atharrach, ged a [TD 33] bhiodh sin ’nad chomas, seach a bhi strìochte do thoil Dhé? An cuireadh tu barrachd earbsa a’d chridhe fein na á cridhe Dhé, no am bu mhaith leat na tha ’n dàn do d’ leanabh a bhi an crochadh ri duine ’s an t-saoghal air thoiseach ort fhein?” “Cha bu mhaith, cha bu mhaith oir ’s aithne dhomh mar ghràdhaich mi e.” “Ach tha gràdh aig Dia dha fada os cionn do ghràidh-sa, oir is leis e, oir ’s e rinn e, agus sin dha fhéin.” “Gabhaibh mo leisgeul, a mhinisteir,” arsa bean a’ ghobhainn, “ach cha ’n urrainn dhomh an smaoin fhulang gu ’m feum mi dealachadh ri m’ leanabh.” “Gu’n caomhnadh Dia dhuibh e, a chàirdean!” fhreagair am ministeir, “ma tha sin chum ar maith-sa agus maith an leanaibh. Ach,” ars’ esan, “tha nithean a’s cruaidhe na ’m bàs ann.” Chuir na briathran so, ged a chaidh an labhairt gu h-iosal, gach h-aon ’na thosd. Bha am ministeir ’s a shùilean ri làr mar gu ’m biodh e ag ùrnuigh. “Tha ’m bas cruaidh gu leòir,” ars’ an gobhainn. “Tha, ach cruaidh gu h-àraidh mar shamhladh air ni-eiginn a’s miosa,” fhreagair am ministeir. “Gabhadh mo leisgeul air son na ceisdean so ’fheòraich:—Dé na ’n cinneadh ar leanabh a suas ’na nàmhaid dhuibh? Dé mur ìocadh e ar gaol? Dé mur cuireadh e earbsa annaibh? Dé mur b’ fhiach leis bruidhinn ribh? Dé na ’n tugadh e eas-urram dhuibh? Nach tugadh so a nuas ar falt liath le bron do ’n uaigh? “O! a mhinisteir,” arsa bean a’ ghobhainn, “bu mhiosa sin da-rireadh na ’m bàs!” “Ach gabhadh [TD 34] mo leisgeul, a mhinisteir,” ars’ an gobhainn, “ma their mi nach cuala mi riamh iomradh air leanabh aig an robh pàrantan matha a’ deanamh mar thubhairt sibh. Cha ’n urrainn dhomh a chreidsinn gu ’m biodh e comasach do “Dhà’idh Beag” againne, bochd ged dh’ fhaodadh air n-oilean a bhi, e féin a ghluasad mar sin. Bhitheadh e cho mhi-nàdurra.” “Aig Dia tha fios,” fhreagair am ministeir. “Tha iomadh ni mi-nàdurra anns an t-saoghal. Eisdibh rium gu caoimhneil, ’s gu dearbh tha mi fada ’n ar comain a chionn gu ’n do cheadaich sibh do choigreach labhairt ribh cho dàna, ’s gu ’n d’éisd sibh cho foighidneach.” “O! rachaibh air ar n-aghaidh, a mhinisteir,” arsa bean a’ ghobhainn, “tha e toirt faochaidh dhomh a bhi ’g ar n-éisdeachd.” “Na sguiribh fhathasd,” ars’ an gobhainn. “Seadh ma ta,” ars’ am ministeir, “cha ’n ’eil iarraidh air bith agam a bhi ’g ar cronachadh aig àm mar so. ’S ann a bu mhiann leam gul leibh ’n ait n-àmhghar, seach feuchainn ri ar cridheachann no ar beatha a rannsachadh air son cionta. Ach tha mi faireachdainn aig am brònach mar so—am sòluimte dhuibh le chéile—gu bheil guth an Athar a labhairt ribh anns an t-slait smachdachaidh, agus bu chòir éisdeachd ris; agus gu bheil Esan ’gar ceannsachadh ’na am fhéin, agus bu chòir dhuibh urram agus ùmhlachd a thoirt dha a chum ’s gu ’m bi sibh beo, agus a chum gu ’m faigh sibh barrachd neirt agus comh-fhurtachd aig a’ chrich, guidheam oirbh, ’nuair a ni mise ar fàgail, rannsaicheadh sibh féin ach an robh [TD 35] sibhse ’g ar giùlan fein a thaobh ar n-Athar Neamhaidh, anns a’ cheart dòigh a dh’ aidich sibh na ’m buineadh ar mac ribhse, na ’n do chinn e suas, gu ’m b’ fheàrr gu mòr e bhi marbh. Air an aobhar sin feòraichibh dhibh fein co dhiu a thug sibhse gràdh do Dia ar n-Athair an éirig a’ ghràidh sin a thug Esan dhuibh-se. An robh càirdealachd eadar sibh agus Dia, no an e naimhdeas a bh’ann? Earbsa no mi-earbsa? Umhlachd no eas-umhlachd? Co-chomunn ann an ùrnuigh dhùrachdaich, lan dòchais agus creideimh, no an robh sibh ’n ar tosd? Cha ’n ’eil mi ag iarraidh oirbh na ceisdean sin a fhreagairt dhòmh-sa; ach tha toil agam sibhse agus mise mar phàrantan gràdhach ar cloinne, a dh’ fheòraich an do bhuin sinn ri ar n-Athair gràdhach mar a bu mhath leinn ar clann a bhuntainn ruinne?” Sguir am ministeir car tiota; chrath bean a’ ghobhainn a ceann gu h-athaiseach, agus gheur-bheachdaich an gobhainn air cridhe na grìosaich. “A chairdean, pheacaich sinn uile, agus is e so ar peacadh os cionn gach peacadh, nach do gabh sinn aithne air ar n-Athair, ’s nach do ghràdhaich sinn e, ach gu ’n do dhi-chuimhnich sinn e; gu’n robh sinn coimheach ris, sgàth againn roimhe; seadh, gu ’n robh sinn ’n ar cloinn fhuair, ghealtaich, cheannaircich.” Tharruing am ministeir ’anail car tiota ’s an sin chaidh e air aghaidh mar a bh’ aige ann an guth ciùin, caoimhneil—“Ach ciod air bith a tha sinn a’ deanamh, no a rinn sinn, bitheadh dòchas againn ann an Dia; air neò sgriosar sinn! Tha [TD 36] gach peacach air a dhìteadh, ach cha ’n ’eil neach air a dhìteadh gu bhi ’na pheacach. ’S e Dia ar n-Athair fhathasd; agus ceart ’s mar a bheathaich ’s a dh’altruim sibhse ar balachan, ’ga ghràdhachadh ’n uair nach b’ aithne dha sin, ’s ’ga ghiùlan a ghnàth air ar cridheachan—gaol tha mi cinnteach nach fuaraich ach anns an uaigh—mar so ghràdhaich Dia sinne, a chlann. Fosglaibh ar cridheachan d’a ghràdh-san, mar a dh’ fhosgladh sibh ar sùilean do ’n t-solus sin a tha soillseachadh a ghnàth. Creidibh ann mar an Fhìrinn, mar bu mhiann leibh ar balachan a chridhe fhosgladh d’ ar gràdh, agus creidsinn ann, ’nuair a dhùisgeas e as a chadal. Tha ar gràdh do ’n bhalachan domhain agus fior, co dhiu a tha esan an comas a thuigsinn no nach ’eil. Ach ciod e so làmh ri gràdh Dhé! ‘An so a ta gràdh, cha ’n e gu ’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gu ’n do ghràdhaich esan sinne, agus gu ’n do chuir e a Mhac fein gu bhi ’na ìobairt réitich air son ar peacanna’ (I. Eoin iv.10). Na gabhamaid fois ma ta, a’ chairdean, gus am fairich sinn so, agus gu ’n abair sinn le fìrinn—‘Thuig sinn agus chreid sinn an gràdh a th’ aig Dia dhuinn.’” “A mhinisteir,” ars’ an gobhainn, “labhair sibh rium mar nach do labhair duine riamh roimhe so, agus creididh sibh nach ann ri brosgal a tha mi. Gu cinnteach tha brigh ann am ghradh do m’ bhalachan nach do thuig mi riamh. Tha toiseach aige air soillseachadh orm.” “Buidheachas do Dhia [TD 37] ma tha! Feumaidh tu mo chreidsinn ’n uair a their mi nach ’eil mi labhairt riut mar so a chionn ’s gur e sin mo dhreuchd, tha mi bruidhinn riut mar dhuine, mar athair agus mar bhràthair, deigheil air gu ’m biodh comh-roinn agad anns a’ mhaitheas sin a thug Dia dhòmhsa agus a tha e tairgsinn dhuitse. Tha mi ’g radh a rithis agus a rithis na ’n robh againn ann an Dia an t-earbsa, an gràdh, ’s an co-chomunn gaoil a bu mhath leinn a bhi eadar ar cloinn agus sinne gu ’m fairicheadh sinn fior ath-nuadhachadh. Oir ciod a bh’ ann am beatha Iosa Criosd ach beatha lan earbsa, ùmhlachd agus graidh mar Mhac Dhé. O! nach leanamaid a cheuman ’s nach fàsamaid suas ’na choltas. Tha an t-aineolas so mu Dhia ni’s miosa na ’m bàs. Oir ma ’s beatha eòlas, gu cinnteach is bàs aineolas spioradail. A chàirdean,” ars’ am ministeir ’s fèath ghàir’ air, “’s ann a thug mi searmoin dhuibh, ach cha robh atharrach agam air. A ghnàthachadh cainnt choitchionn, ’s e mo bheachd gu ’n do bhuin sinn ri Dia ann an dòigh a tha nàrach agus maslach do dhaoine aig a bheil tuigse, coguis agus inntinn. Cha ’n ’eil mi idir ag ràdh na tha mi faireachdainn a thaobh na cùise so. Tha nàire mo chridhe orm mu ’n dòigh anns an do ghnàthaich clann nan daoin’ an Athair neamhaidh. Mur a bhiodh na rinn an t-oighre Mac Dhé, air ar son bhitheamaid air ar sgrios, agus bu gheal a thoill sinn e.” “A mhinisteir,” ars’ an gobhainn ann an guth critheanach, “taing mo [TD 38] chridhe dhuibh. Tha mi ag aideachadh gu ’n robh mi caoin-shuarach mu dhol do ’n eaglais, ach—” “Bruidhnidh sinn mu sin a rithis, ma cheadaicheas sibh dhomh tilleadh am maireach. Agus ’na dheigh sin uile,” ars’ am ministeir, ’s e ’g amharc air an leanabh, “cha d’ fhàg Dia ’na throcair e féin riamh gun fhianuis. Amhaircibh air ar leanabh, agus eisdibh ri ’r cridhe féin, agus cuimhnichibh na thubhairt mi ribh, agus theagamh gu ’n tuig sibh nach urrainn sibh teicheadh o Fhocal Dhe ged dh’ fheuchadh sibh ris. Tha guth athar a’ labhairt ribh troimh ar leanabh. ’N uair a thug Dia ’na ghràdh dhuibh an leanabh sin, chuir e teachdaire deas-chainnteach, naomh a dh’ ionnsuidh an taighe a shearmonachadh ciod e ar n-Athair, agus ciod a bu chòir dhuinne mar chloinn ìocadh dha. Eisdibh ris an t-searmoin sin, agus ullaichidh e sibh gu grad a dh’ éisdeachd searmoinean eile.” Dh’ eirich am ministeir a dh’ fhalbh. Ach mu ’n d’ fhalbh e dh’ iarr e cead facal ùrnuigh chur suas, ni a chaidh a cheadachadh dha gu suilbhir. An geall air creideamh na càraid ann an ùrnuigh a neartachadh thuirt e mu ’n do thoisich e air an ùrnuigh. “Mur urrainn do Dhia ùrnuigh éisdeachd agus a freagairt cha ’n ’eil e àrd os cionn nan uile; mur h-éisd e cha ’n e ar n-Athair e. Ach beannaichte gu ’n robh ’ainm, chuir a Mhac fhein, a bha eolach air Athair—a chleachd ùrnuigh ’s a fhuair éisdeachd dhi—’nar comas mar phàrantan, eolach air ar gràdh d’ar [TD 39] cloinn, fìrinn agus prìsealachd an fhocail a thuigsinn a tha ’g ràdh—‘Iarraibh agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an dorus agus fosglar dhuibh: oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge b’ e a shireas gheibh e: agus do ’n tì a bhuaileas an dorus, fosglar. Oir có an duine agaibh-sa ma ’s e ’s gu ’n iarr a mhac aran a bheir cloch dha? Agus ma ’s iasg a dh’ iarras e an tabhair e nathair dha? Air an aobhar sin ma ’s aithne dhuibh-sa a ta olc tiodhlacan maithe a thabhairt do bhur cloinn, nach mò na sin a bheir bhur n-Athair a ta air neamh nithe maithe dhoibhsan a dh’ iarras air iad!” An sin dhùin am ministeir a shuilean, agus a’ leigeil a chudtrom air ceann a bhata, chuir e suas ùrnuigh dhùrachdach airson an leanaibh. Aig crìoch na h-ùrnuigh chaidh e gu taobh na leapa, dh’ amhairc e air an leanabh a bha ’na shuain, bhean e do ’n laimh bhig, ghil agus ars’ esan—“Gu ’m beannaicheadh Dia thu, a leanaibh. Mo ghuidhe ’s mo dhùrachd gun dùisg thu slan.” “Sin an cadal a ’s feàrr a fhuair e o ’n a bhuail a thinneas e,” arsa bean a’ ghobhainn. Theagamh gu bheil a chuid a ’s miosa seachad.” Cha d’ fheith am ministeir ris a chòrr, dh’ fhàg e beannachd aca agus gheall e tilleadh an ath latha. Bha an gobhainn ’s a bhean sàmhach car tacan an deigh do ’n mhinisteir falbh. Mu dheireadh thuirt an gobhainn, “Tha mi toilichte gu ’n tàinig a leithid de dhuine a dh’ ionnsuidh an taighe. Sud agad [TD 40] searmoin a thuigeas duine ’s a leanas ris: ’s e Dà’idh Beag a rinn e.” “Tha sin fior,” fhreagair a bhean, “buidheachas do Dhia air a shon!” An deigh dhi amharc air an leanabh a bha ’na shuain, ars’ ise, “Nach bòidheach e? Cha ’n ioghnadh a leithid a thoirt math chun an taighe.” An oidhche sin bha smaointean ann an cridhe a’ ghobhainn a bha cho teth ris na h-éibhleagan dearg a gheibhear air teallaich na ceàrdaich! Mur ’eil mi air mo mhealladh thòisich e ri thuigsinn gur e teachdaire bho Dhia bh’ ann an “Dà’idh Beag.” CAIBIDEIL III. ’S E madainn bhoidheach earraich a bh’ ann; an speur gorm gun neul, na blàthan uile fàs, ’s na h-eòin a’ seinn air bharraibh nan geug; ach cha d’ fhàg Uilleam Gobhainn a thigh fein air a’ mhadainn ud, agus bha an dorus dùinte. Bha Peigi Ruadh a’ gluasad mu na dorsan gu ciùin, faicilleach, ’s ’nuair chual i a balachan fein, Calum, a’ feadraich cùl an taighe, ghlaodh i ris, “Dé th’ air d’ aire le d’ cheòl is aighear, nach eil fhios agad gu bheil ‘Dà’idh Beag’ marbh? Bu choir tuille tuigse bhi agad!” Bha braoisg air dorus taighe Alasdair Saighdeir agus chual e na chaidh a ràdh. [TD 41] Chuir e ’cheann a mach agus smèid e ri Peigi tighinn a bhruidhinn ris. “An cual thu ciamar tha iad an ceann an taighe?” dh’ fheòraich e ann an guth ìosal. “Cha chuala,” arsa Peigi a’ crathadh a cinn. “Shuidh mi le bean a’ ghobhainn leth na h-oidhche, ’s dh’ fhàg mi ‘Dà’idh Beag’ ’na chadal, ’s beag dùil a bh’ agam gu ’n tigeadh e gus a so. Bho ’n a thachair e tha ’n dorus dùinte ’s cha deachaidh duine beo mach no stigh. Tha mo cridhe goirt air an son. Cha toigh leam dragh a chur orra, oir tha fhios agam gu ’m bi iad fo bhròn ’s fo mhulad mu ’n bhalachan bhòidheach.” “Gun teagamh, gun teagamh,” fhreagair an Saighdear ’s e meòmhrachadh; “cha do shaoil mi gu ’m fairichinn fhein mar so. Cha ’n ’eil mi ’ga thuigsinn. So agad fear a chunna daoine ’gam marbhadh air gach laimh. Mharbh aon urchair cho math ri fichead.” “Am bheil sin comasach?” “Comasach?” ars’ an Saighdear, “tha e cinnteach: aig Blàr na h-Eiphit far an deachaidh mo leòn, bha mi gu ruig na h-aobrainn ann am fuil ’s an eabar—a’ saltairt air cuirp choimheach is chàirdean, agus an creid thu e, cha do shil mo dheòir; ach bha rudeigin mu ’n Chaiptein—’s e ’m balachan tha mi a’ ciallachadh”—agus thug an seann Saighdear tarruing air ’adharc-shnaoisein, ’s chuir e deannag ’na shròin. “Agus ’s e duine gaisgeil tha ’na athair! Cha do shaoil leam riamh gu ’n deanainn càirdeas ri fear aig nach robh taobh blàth ri Arm an Righ agus Eaglais na Rioghachd—ach ged nach ’eil teòsainn [TD 42] aig a’ ghobhainn dhiu sin ’s e làn duine th’ ann—a h-uile h-òirleach dheth, their mi sin mu Uilleam Gobhainn! Am faca tu a bhean?” “Cha ’n fhaca; an truaghan! Bha e mu shè uairean ’s a’ mhaduinn ’n uair ruith i stigh an taobh a bha mise, dhùisg i mi ’s thuirt i gu ciùin, ciallach, ‘Dh’ fhalbh e’—’s mu ’n robh ùine agam air bruidhinn bha i mach an dorus, ’s a stigh d’ a tigh féin, ’s chrann i ’n dorus, ’s tha i cho uasal ’na dòigh nach toigh leam dragh a chur oirre, tha mo cridhe goirt air a son.” Bha iad le cheile ’nan tosd, mar gu ’m biodh iad ag éisdeachd ri fuaim a thighinn a tigh a’ ghobhainn, ach bha ’n tigh sin cho tosdach ris an uaigh. B’ e Dà’idh Mor ’s a bhean a cheud fheadhainn a chaidh a stigh do thigh a’ ghobhainn. Fhuair iad Sìne ri obair-taighe, ’s an gobhainn ’na shuidhe a sior-amharc ’s a ghrìosaich—’s aodach-Sàbaid air. Bha cùirteinean na leapa an togail, ’s brat geal air an leabaidh ’bha cùirneachadh nì prìseil air an robh iad glé eòlach. Chaidh Sìne ’nan coinneamh, rug i air laimh orra le chéile, gun deur air a sùil, ’s thuirt i riu gu ciùin, “Thigibh a nìos.” Chuir i a h-athair ’na shuidhe làmh ris a’ ghobhainn, ’s thug i ’màthair leatha do ’n t-seòmar, ’s dhùin i an dorus. Ciod an conaltradh bha eadar riu, cha ’n aithne dhomh. Dh’ éirich an gobhainn an coinneamh Dhà’idh Mhóir, athair-céile, ’s mhol e ’n latha earraich dha. Dh’ fhàisg athair-céile làmh a’ ghobhainn, ’s chaidh e gu taobh na leapa. Lean Uilleam Gobhainn [TD 43] e, ’s thog e gu sèimh an t-anart a bh’ air aodainn an leinibh, ’s dh’ amhairc iad air a ghnùis bhoidhich, gu tosdach. Bha an t-aodann gun atharrachadh—cho sèimh ’s ged nach robh “Dà’idh Beag” ach ’na chadal. Bha na camagan buidhe-bhàn ann an òrdugh mu ’bhathais mhìn bhòidhich. Chùirnich an gobhainn an t-aodann, ’s thill iad le cheile gu taobh an teine. “Cha do chaill mi leanabh,” arsa Dà’idh Mòr, “o ’n a chaochail Dà’idh Beag agam féin, agus bha ‘Dà’idh Beag’ agadsa ann am shùilean mar mo leanabh féin,” agus ghuil an seann duine gu deurach, goirt. Cha do charaich an gobhainn, ged chualas osna throm á chridhe, thoisich e air an teine bhrosnachadh, ach cha tàinig facal á bheul. An uine ghoirid dh’ fhosgail dorus an t-seòmair agus thainig Sìne agus a mathair a nìos, ’s iad le cheile ciùin, sàmhach. Chaidh iad gu taobh na leapa agus rinn iad mar a rinn an gobhainn agus Dà’idh Mòr. Shuidh an t-seana bhean taobh a fear-pòsda agus chuir Sìne Biobull mòr air a’ bhòrd mu choinneamh a h-athar, agus an sin shuidh e aig taobh a’ ghobhainn. Chuir Dà’idh Mòr air a speuclairean, dh’ fhosgail e am Biobull agus ars’ esan, “Leughamaid Facal an Tighearna.” Bha an tigh sàmhach. Cha robh an obair-latha cur iomagain orra. Bha an cridheachan cho làn nach b’ urrainn dhoibh labhairt ach bha iad deas gu éisdeachd. Thagh an seann duine na h-earrannan a leanas II. Sam. xii. 15-23, Mat. ix. 18-26, agus Eoin xi. 1-44. [TD 44] ’N uair dhùin e am Biobull thuirt esan ann an guth critheanach, ach stòlda—“B’e toil Dhé, a tha deanamh nan uile nithe a reir a thoil féin, àmhghar trom a leagail oirnn aig am àm so. ‘Thug an Tighearna uaith agus thug an Tighearna leis!’ Gu ’n tugadh esan dhuinn gràs a ràdh aig gach àm: ‘Beannaichte gu robh ainm an Tighearna.’ Oir co-dhiu tha E toirt uaith no toirt air falbh, is ionann E daonnan an gràs agus ann an tròcair. Ma tha E toirt air falbh, ’s ann a chur ni ’s feàrr an àite an ni sin a thug E uainn. Tha e ’g ar smachdachadh ‘chum ar leas, ionnas gu ’m bitheamaid ’nar luchd-comhpairt d’ a naomhachd.’ Cha ’n ’eil ar leanabh beag marbh, ach ’na chadal.” Sguir e tacan a tharruing analach ’s an sin chaidh e air aghaidh, “Tha a chorp ’na chadal ann an Iosa gu madainn Latha ’Bhreitheanais. Tha esan le Criosd. Tha e beò ann an uchd ’Athar. Tha e doirbh dhuinn a thuigsinn, is cruaidh dhuinn ri chreidsinn, ach buidheachas do Dhia tha e fior, gu bheil Iosa Criosd a tha ’g ar faicinn-ne, ’g a fhaicinn-sa—’g ar faicinn le cheile aig a’ cheart àm so. Tha sinn aig an àm so fhein ann an lathair Dhe. Nach priseil ’s nach comhfhurtachail an teagasg sin—tha Dà’idh Beag ann an uchd Iosa Criosd! Cha till an leanabh bòidheach d’ ar n-ionnsuidh-ne ach theid sinne g’ a ionnsuidh-san, agus cuid againn, tha mi ’n dòchas gu goirid. Deanamaid ùrnuigh.” Chaidh iad uile air an glùinean, agus dh’ éirich ùrnuigh dhùrachdach o chridhe brùite phàrantan ann an [TD 45] fior àmhghar, a dh’ ionnsaidh an Athar Neamhaidh—“air an ainmichear an teaghlach uile air neamh agus air talamh.” Chuir e ioghnadh nach bu bheag, agus thug e mor thoilinntinn do ’n t-seann duine an gobhainn a’ cur “Amen” r’ a ùrnuigh—ùrnuigh anns an robh aideachadh peacaidh, taingealachd airson tròcairean—’nam measg an tiodhlac a chaidh a bhuileachadh orra anns an leanabh a chaidh a nis a ghairm air falbh—taingealachd airson iomadh beannachd; agus ag iarraidh gràis chum an cuideachadh ann am am feuma. An déigh mheadhon latha có ’thaghail ach Maighstir Ruairidh agus nochd e mor-chaoimhneas agus fior thruacantas. Bha co-fhaireachdainn ’na ghnùis ’nuair bha e ’na thosd. “Tha mi toilichte ar faicinn,” arsa Dà’idh Mòr ’n uair a bha am ministeir ’na shuidhe tacan. “Ged nach buin mise do ’n eaglais agaibh-sa, buinidh sinn le cheile air a shon sin do ’n aon Eaglais.” “Is againn tha aon Athair, aon Bhrathair, aon Spiorad, aon bheatha, aon ghràdh, aon dòchas!” fhreagair am ministeir. “Ceart gu leòir, a mhinisteir, is suarach ar n-eadar-dhealachaidhean seach na nithean mu ’m bheil sinn a’ co-chòrdadh.” “Tha ar n-eadar-dhealachaidhean beaga ag éirigh bho ar n-aonachd mu chùisean cudthromach. Ma tha caochladh bharailean ag éirigh, agus sin gu coguiseach, tha mi ’n dochas gur ann a chionn ’s gu bheil eadar-dhealachadh eadar sinn anns an dòigh anns am [TD 46] feuchadhmaid ri toil ar n-Athar agus ar Brathair. Tha ar cridheachan a’ teudadh mu ar n-iarrtus gu an toil-san a dheanamh. ‘Oir cha ’n ’eil a h-aon againn beò dha féin, agus cha ’n ’eil a h-aon againn a’ bàsachadh dha féin’” (Rom. xiv. 7). “Seadh, seadh, a mhinisteir, ’s ann mar sin a tha, ’s ann mar sin a tha! mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh—‘bheil anns na daoine ’s treise ach daoine ’nan treise.’ Feumaidh sinn uallaichean a cheile ’ghiùlan agus ’s e aineolas, no dian eud ann am mi-chreideamh an eallach a ’s truime a ’s urrainn duine a ghiùlan air son a choimhearsnaich. Buidheachas do Dhia tha làithean a ’s soilleire ’s a ’s feàrr a’ tighinn! Tha sinn a’ faicinn san àm so gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri h-aghaidh: ’s an àm so is aithne dhuinn ann an cuid; ach an sin aithnichidh sinn eadhon mar a ta aithne oirnn. Feumaidh sinn a bhi dileas do ’n t-solus a fhuair sinn agus seirbheis a dheanamh do Dhia, ’s cha ’n ann do dhaoine.” “Tha caochladh bheachdan ri fhaotainn am measg nam beò,” ars’ am ministeir, “ach cha ’n ’eil am measg nam marbh. Cha chòrd sinn gu h-iomlan gus an ruig sinn eòlas ’s an gràdhaich sinn mar na naoimh gun mhearachd agus gun lochd.” “Tha cuimhn’ agam,” arsa Dà’idh Mòr, ’s an conaltradh a’ còrdadh ris, “air dà choimhearsnach a bh’ againn, ’s bithidh cuimhn agaibhs’ orra cuideachd, a bhean, b’ e sin Iain Bàn agus Lachunn Donn. Bhuineadh an darna fear do ’n Eaglais Shaoir agus am fear eile do ’n Eaglais [TD 47] Stéidhichte. Bha iad a chòmhnaidh ’san aon bhothan—fear anns gach ceann, agus b’ e ’n cumhnant gu ’n cumadh an darna fear taobh beoil an taighe tubhta agus am fear eile an taobh cùil. Ach thòisich iad air deasbaireachd mu chùisean eaglais agus ’s e bh’ ann gu ’n do chuir iad a mach air a cheile gu searbh, salach gus mu dheireadh nach bruidhneadh iad ri cheile. Latha bha sud an deigh so thuit dhaibh a bhi tubhadh—gach fear air a thaobh fhein. Mu dheireadh ràinig iad le cheile an cabar-droma ’s choinnich iad aghaidh ri aghaidh. Ciod a b’ urrainn iad a dheanamh? Cha b’ urrainn iad teicheadh. Mu dheireadh thug Iain Bàn dheth a bhoineid, agus a’ tachas a chinn ars’ esan—“A Lachainn bha mise agus thusa gle amaideach cònnsachadh mar a rinn sinn mu ciod e toil Dhé a thaobh ar n-eaglaisean gus an do dhi-chumhnich sinn ciod e ’thoil do ar taobh-ne; agus ghleachd sinn cho cruaidh mu ’n ni sinn ris an abair sin an fhìrinnn, gu ’m b ’e bu deireadh dha gu ’n robh an darna bràthair a’ cogadh an aghaidh a bhràthar eile. Ciod air bith tha ceàrr cha ’n urrainn so a bhi ceart—feumaidh sinn a chéile ghràdhachadh. Nis, ’s e mo bheachd-sa gu bheil e mu na h-eaglaisean car mar tha e mu ’n tigh so; tha thusa ’g oibreachadh air an darna taobh agus mise air an taobh eile ach ma ni sinn le chéile ar n-obair gu cothromach, ceart, colnnichidh sinn, aig druim an taighe mu dheireadh. Fair dhomh do làmh!” Agus chrath iad làmhan a cheile gu cridheil, agus [TD 48] bha iad ’nan deagh-chàirdean ’na dhéigh so.” “Móran taing dhuibh a dhuine air son ar sgeulachd,” ars’ am ministeir. An sin thug e sùil an taobh a bha ’n leabaidh, agus ars’ esan, “O na ’n robh sinn iriosal, earbsach agus gràdhach mar chloinn bhig, nach rachamaid, mar an leanabh so, a stigh do rìoghachd neamh, ’s nach biodh eòlas againn orra agus gràdh againn dhaibh-san uile a tha air thoiseach oirnn, no air an rathad g’a ionnsaidh.” “Tha mi toilichte gu ’n do thachair mi oirbh, a mhinisteir,” arsa Dà’idh Mòr. “Tha e deanamh math do m’ chridhe tachairt air bràthair a bha gus a so ’na choigreach. Mur a bhi bàs ‘Dhà’idh Bhig’ theagamh nach do choinnich sinn riamh. Nach neònach sin? Cha ’n e slighe Dhé ar slighe-ne!” “Bheir Esan beatha à bàs,” ars’ am ministeir, “agus ann an iomadh dòigh ordaichidh Esan cliu a beul naoidhean agus chìochran—beò no marbh.” Nach robh “Dà’idh Beag” ’na fhear-teagaisg do ’n fhoirfeach Bhaisteach agus do mhinisteir na h-Eaglais Stéidhichte? “Agus a nis,” ars’ am ministeir, “le ’r cead, a chàirdean, leughaidh mi Salm ghoirid agus cuiridh mi suas facal ùrnuigh mu ’m falbh mi.” Thug iad buidheachas dha agus leugh e an treas Salm thar an fhichead. A’ dùnadh a’ Bhìobuill, ars’ esan. “B’ e toil an deagh Bhuachaille ar n-uan beag lurach a thoirt leis d’ a chrò—’s cha ’n fhàg e choidhche e.” “Gu ’n deònaich an Tighearna gu ’n tàlaidh an t-uan beag na caoraich gu a leanailt,” arsa Dà’idh [TD 49] Mor. ’N uair a bha ’n ùrnuigh crìochnaichte, thuirt Sine, a bha ’na tosd gus a so—“O, a mhinisteir, cha chuala Dia ar n-ùrnuigh airson mo leenibh!” “Na labhair mar sin, a Shine, a chiall,” thuirt Dà’idh Mòr gu caoimhneil ach gu diongalta. “Cha ’n ’eil atharrach agam air, ’athair, feumaidh mi na smaointean a tha lasadh ann am chrìdhe a leigeil a mach. Feumaidh am ministeir mo leisgeul a ghabhail,” fhreagair bean a’ ghobhainn. “Gun teagamh, a bhean chòir,” fhreagair am ministeir, “agus bhitheadh e ’na aobhar taingealachd dhòmhsa na ’m b’ urrainn domh, o ’n teagasg a fhuair mi ann am facal Dhé, agus bho na dh’ ionnsaich mi ann an tigh a’ bhròm, ar cuideachadh ann ar imcheist, no cuideachadh leibh a bhi ùmhal fo shlat smachdachaidh an Tighearna, cha ’n ann a chionn gu ’m feum sibh a bhi ùmhal ach gu ’m bu chòir dhuibh a bhi mar sin; cha ’n ann a chionn gu bheil Dia cumhachdach agus air an aobhar sin gu ’n dean e mar a thogras e, ach a chionn gu bheil e làn gràidh agus gur e thoil an ni a tha ceart daonnan a dheanamh.” “Ach O! cha d’ éisd e ri ar n-ùrnuigh; sin na ’s aithne dhòmhsa. Theagamh gu ’n robh sinn cearr ann an ni iarraidh a bha ’n aghaidh a thoil.” “Cha robh an fhreagairt a réir an doigh ris an robh suìl agaibh-se, a bhean chóir; ach tha gach ùrnuigh dhùrachach a’ faighinn éisdeachd agus freagairt o ’n Ti sin d’ a ’n leir nan uile nithe. Ach tha e tuillidh ’s math, tuillidh ’s glic agus tuillidh ’s [TD 50] gràdhach a thoirt dhuinn gach ni a dh’ iarramaid; na ’n tugadh bhitheadh e gu tric an-iochdmhor, agus is e sin ni nach urrainn e a bhi! Cha tugadh tusa nathair do d’ leanabh ged a robh esan an geall oirre, am beachd gu ’m b’ e iasg a bh’ innte; ’s cha tugadh tu clach an àite arain!” Tharruing am ministeir ’anail car tiota. “’N uair a dh’ innis Nàthan, fàidh an Tighearna, do Righ Daibhidh gu ’m faigheadh a leanabh bàs,” arsa Dà’idh Mor, “cha do bhac sin Daibhidh a dhol a dh’ ùrnuigh air son a leinibh, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach robh Athair air neamh toilichte a leithid de dhànachd ’s de chreideamh ’fhaicinn.” “Gle cheart,” ars’ am ministeir, “oir tha mi cinnteach nach urrainn sinn tuillidh ’s a chòir de dhòchas a chur ann, no rùn ar cridheachan a leigeil ris tuillidh ’s saor dhasan, cuimhnichimid daonnan ’n uair a dhiùltas Dia an ni a dh’ iarr sin, gu ’n toir e dhuinn ni a ’s fearr, seadh fad o ’s cionn na dhiarras no na smaointicheas sinn. Thug E dhuibh-se ar leanabh lurach ré seal; agus ma thug E air falbh e, an urrainn sibhse innseadh an lochd ’s an t-àmhghar a sheachainn ar leanabh anns an t-saoghal so? Nach lionmhor na pàrantan a bheireadh an saoghal na ’n do chaochail an cloinn ’nan leanabas! An iarradh sibh barrachd na math ar leanabh, agus nach tug Dia sin dhuibh? Fhreagair E ar n-ùrnuigh le ar leanabh a thoirt g’ a dh’ ionnsaidh fhein. Cha ’n ’eil ailleagan ar gràidh idir caillte, ’s ann a tha e ann an tigh-ionmhais Dhe, far nach [TD 51] cladhaich na meirlich a stigh agus nach goid iad: “cha ni suarach sin fhéin!” “O, tha sin fior gun teagamh,’ arsa bean a ghobainn, “ach O, tha ’àite fuar falamh! ’s tha ’n saoghal uile air caochladh.” “Bha mi direach a’ beachdachadh, a Shìne,” ars’ a mathair, “gu bheil e ’na aobhar taingealachd gu ’m faca tu Dà’idh Beag, oir tha beachd agad air Mairi dhoill, bean a’ mhuilleir, ’n uair a chaill is a balachan mu ’n Bhealltainn so chaidh, thàinig an truaghan an taobh bha mise agus b’ e fàth a mulaid nach fhac i riamh an leanabh lurach, nach d’ rinn i ach a laimhseachadh, agus a chluinntinn a’ caoineadh.” “An truaghan,” arsa Sìne, “bha sin da-rìreadh ’na aobhar broin do mhathair air bith, ach—Cha ’n abair mi ’n còrr, feuchaidh mi gun a bhi smaoineachadh air, tha ’smùdan fhéin à ceann gach fòid.’ Ach, a’ mhinisteir, ceadaichibh dhomh a’ cheisd so ’fheòraich: Nach faic mi mo leanabh gu siorruidh, agus ma chì an aithnich mi e?” “Bha cho math dhuit ’fheòraich am faiceadh tu do leanabh ’san aithnicheadh tu e na ’n deachaidh e do thìr chéin, an àite dol do neamh,” fhreagair am ministeir. “Mo thruaigh! mur aithnich sinn ar càirdean air neamh bhiodh an talamh so féin, ann an dòigh no dhà na bu taitniche na e! Ach cha ’n ’eil e comasach gu ’m bi a leithid sin de dh’ aineolas ann an rioghachd tha làn soillse agus gràidh.” “Cha bhiodh e nadurra,” ars’ an gobhainn, a bha ’na thosd gus a so, ged a bha e ’g éisdeachd le mor [TD 52] aire ris na bha ’m ministeir ag ràdh. “Ach,” arsa bean a ghobhainn, am bi ar leanabh daonnan ’na leanabh? a mhinisteir, tha mi ’n dòchas gu ’m bi.” “A! Shìne ’ghalad,” ars’ a h-athair, “na feuch thusa ri bhi glic os cionn na tha sgrìobhte.” Bha feath-ghàire air a’ mhinisteir ’n uair dh’ fheòraich e. “Na ’n do mhair do leanabh beò, saoil thu am bu mhath leat e bhi daonnan ’na leanabh, gun fhàs cuirp no inntinn? ’S a bheil sibh fhéin gun mheas aig ar pàrantan on a dh’ fhas sibh ann an inntinn agus ann an eòlas?” “Cha do smaointich mi riamh air a sin,” arsa bean a’ ghobhainn gu nàrach. “Bi fiosraichte a so,” ars’ am ministeir, “nach bi creutairean anabuich ann an inntinn no ann an tuigse an sin. Bithidh iad uile iomlan agus gun chearb, a reir rùn Dhé, a rinn sinn gu co-chomunn a bhi againn le ’theaghlach naomha féin. Chaidh ar leanabh gradhach gu sgoil uasail, àird, far am bi e air a làn theagasg airson na siorruidheachd, leis-san a bha aon uair ’na leanabh, ’s do ’n aithne gaol màthar agus bròn màthar, agus bithidh sibhse cuideachd, a phàrantan, ma ghabhas sibh ri Criosd le earbsa leinibh, agus ma bhitheas sibh mar leanaban ’na làthair, air ar deanamh freagarrach a chumail cuideachd leis a’ chomunn neamhaidh ud, agus mar so bithidh sibhse agus ar leanabh, ged nach di-chuimhnich sibh gu h-iomlan ar daimh r’à chéile air thalamh, air ar deanamh comasach air companas a chéile a mhealtainn gu siorruidh. Faodaidh sibh a bhi earbsach a so, gu ’n aithnich [TD 53] sibh a chéile agus gu ’n gràdhaich sibh a chéile an sin ni ’s feàrr na bha e comasach dhuibh a dheanamh an so!” “Uan mo ghaoil!” arsa bean a’ ghobhainn ’s a deòir a’ ruith—a cridhe air a thaiseachadh le briathran caoin a’ mhinisteir. Dh’ fhalaich an gobhainn ’aodann le lamhan ’s bha e ’na thosd. Mu dheireadh ars’ esan—“Tha na beachdan sin mu neamh ùr dhomhsa, ach tha tuigse naduir ag innseadh dhomh gu bheil iad a réir na fìrinn. Cha ’n ’eil neamh idir ’na aite cho coimheach leam ’s a b’ àbhaist dha bhi. Cha ’n ’eil mo chall idir cho trom ’s a shaoil leam aon uair a bha e. Cha ’n ann an diomhain a bha ar beatha-ne, no beatha gheàrr ar leinibh.” “Tha mi ’n dòchas nach ann,” ars’ am ministeir— “‘’S feàrr dhàsan thug gaol, maith-dh’ fheudte bha diomhain, Na dhàsan nach d’ fhairich an lasair ud riamh ann.’ Thug sibh aon fhear-comhnaidh do ’n Ierusalem neamhaidh, aon bhall de ’n teaghlach shuas, aon spiorad ait a sheinn an òrain nuaidh an làthair rìgh-chathair Dhé!” “Gu ’n cuidicheadh Dia ar n-ana-creideamh!” arsa Dà’idh Mòr; “oir mar a ’s motha a bheachdaicheas mi air na nithean sin anns am bheil mi creidsinn, ’s ann a ’s motha tha eagal orm gu bheil iad tuillidh ’s math gu bhi fior!” “’N uair chunnaic na deisciobuil Criosd,” ars’ am ministeir, “an deigh na h-ais-eirigh bha iad mi-chreideach troimh aoibhneas.” “Tha sinn a’ smaoineachadh tuillidh ’s a chòir mu ar cairdean [TD 54] agus tuillidh ’s beag mu Dhia, ach tha e ’na chomh-fhurtachd nach beag gu bheil E air a ghradhachadh leo-san mar a bu chòir dha bhi. Tha mi ’toirt buidheachais Dha, maille riusan a dh’ fhalbh air son a chaoimhneis dhaibh.” “Agus air son na tha E, ’s na ni E daonnan do gach a chuireas ’earbsa ann,” ars’ am ministeir. “Bhiodh ar cairdean brònach na ’n robh e comasach bròn a bhi far a bheil iad, na ’n robh iad a’ faicinn gu robh sinn le bhi cuimhneachadh orra-san a di-chuimhneachadh Dhe, no gu ’n robh ar mor ghràdh dhoibhsan a’ toirt air ar gràdh Dhasan fuarachadh. Gu cinnteach ma tha fhios aca air na bheil sinn a’ deanamh, dheanadh iadsan gàirdeachas na ’n robh fhios aca gu ’n robh sinn ri gàirdeachas ’nan Dia-san agus ’n ar Dia-ne. Có an leanabh air neamh nach biodh ait a chluinntinn gu ’n robh a phàrantan a’ teudadh leis anns an ùrnuigh ‘Ar n-Athair!’” “Na ’n robh e comasach do Dhà’idh Beag searmonachadh dhuinn,” arsa Dà’idh Mòr, “tha mi creidsinn gu ’m b’ e sin a cheann-teagaisg.” “Ged tha e marbh, tha e fhathast a’ labhairt,” fhreagair am ministeir. Bha da-rìreadh am balachan ’na fhear-teagaisg, a’ tarruing cridheachan an teaglaich sin a dh’ ionnsaidh Dhé. Dh’ éirich am ministeir a dh’ fhalbh. “Mu ’m falbh mi,” ars’ esan, “tha beagan rannan air tighinn a ’m chuimhne ris am bu mhath leam sibh a dh’ éisdeachd. Tha iad a’ leigeil ris ann am briath- [TD 55] ran grinn cuid mhath de na cùisean air an robh sinn ag aithris, agus tha iad anabarrach freagarrach aig am mar so.” AM BUANAICHE. Tha buanaiche d’ an ainm am Bàs Le ’fhàl ro ghuineach, geur, A’ toirt nan diasan garbh gu làr ’S gach blàth tha fàs mu ’m freumh. “Am faigh mi,” deur e, “nì a bhuain Ach diasan cruaidh’ gun bhrìgh? Ged ’s toigh leam anail chaoin nam flùr Liubhram iad suas a rìs.” Thog e na flùrain, shil a dheòir, Is phòg e ’n duilleach uain’; Is ann do Thighearna nam Feart A thaisg e iad na ’sguaib. “Mo Mhaigstir tha am feum nam blàth,” Gun d’ rinn e ràdh le aoidh, Mar chuimhneachain air làthean òig’, ’N uair chòmhnuich e ’m measg dhaoin’. “Ath-chuiream iad ’s a’ Phàrras Nuadh, ’S gu buadhmhor ni iad fàs, ’S bidh iad mu thrusgan geal nan naomh, A’ boillsgeadh mar an là” Liubhair a’ mhàthair, ’s deur na sùil, A flùrain lurach òg, An dùil ri ’m faicinn uile slàn, An àros Rìgh na Glòir’. Am Buanaiche cha robh fo ghruaim A’ buain nam blàthan sèimh; ’S e aingeal glormhor ’thàinig nuas ’S thug leis iad suas gu neamh. [TD 56] “Tha mi fada ’n ar comain,” ars’ an gobhainn, “agus cha ghabh sibh gu dona e ma dh’ iarras mi crathadh de ’r làimh.” Agus ’rug an gobhainn air làimh bhàin a’ mhinisteir, a chaidh a shìneadh dha gu fialaidh, le a làimh dhuaichnidh, chruaidh—“Gu ’m beannaicheadh Dia sibh air son na rinn ’s na labhair sibh. Agus a nis, a mhinisteir,” ars’ an gobhainn, o ’n a bha sibhse cho math agus na rannan bòidheach sinn aithris dhuinn, an ceadaich sibh dhomhsa rann no dhà tha gu tric air ’m inntinn aithris dhuibhse; so iad— “Tha ’n Geamhradh air teicheadh o ’n Deas chum an Tuath, ’S an àite fuachd feannach am blàs ’faotainn buaidh; ’S na buidhnean chlach-mheallain bha sgaiteach o chéin, Air leaghadh gu blàs ann an deàrrsadh na gréin’. “Tha ghrian nis a’ sgaoileadh a gàirdean am mach— O’n Ear gus an Iar tha i ’g iarraidh mar theach; ’S an t-sòbhrag bha greis uainn a’ folach a cinn, Le caomh-mhais’ tha ’breacadh a’ mhonaidh ’s na glinn. ‘Ach Earraich, ged chaidh uait na baideil air chall, ’S a dh’ fhàg iad an Ard-thir is còmhnard nan Gall, Dean faicill mar ghaisgeach, na smuainich air suain Mu ’m pill iad mar fhithich a mhilleadh nan uan.” “Beannach leibh a mhinisteir! Bithidh suil againn ribh mu dha uair am màireach ma bitheas e freagarrach,” ars’ an gobhainn ’s e fosgladh an doruis dha. “Thig mi gu cinnteach,” fhreagair am ministeir. “Moran taing airson nan rannan [TD 57] mu ’n Earrach. Na di-chuimhnich na nithe mu ’n robh sinn a labhairt.” An oidhche sinn chuir bean a’ ghobhainn an ordugh greim suipeir d’ a càirdean, agus bha Alasdair Saighdear am measg na cuideachd. Na ’n do thuit do choigreach tighinn ’n am measg cha shaoileadh e gu ’n robh e ann an tigh a’ bhròin. Nach beannaichte an ni an deigh cogaidh gu ’n tig sìth, ’s an deigh doininn gu ’n tig fèath! Dh’ innis an Saighdear naigheachdan mu na dh’fhuiling e le fuachd is acras anns na blàraibh, ’s mu gach gàbhadh anns an robh e riamh. Thòisich Dà’idh Mòr air naigheachdan innseadh mu na “Cumhnantaich,” is á “Eachdraidh nan Urramach” mu na batailtean fuilteach a chaidh a chur anns na laithean a dh’ fhalbh. Bha iongantas air a chluinntinn gu ’m buineadh an saighdear do ’n Eaglais Shasunnaich, ged a bha e ’g aideachadh gu ’n robh e fuathasach modhail beusach ’na dhòigh ’s ’na sheanachas. Thug an gobhainn tarruing air eachdraidh an am a dh’ fhalbh, agus am feum a bh’ aig an rìoghachd air laghan ùra ’s air stùireadh ceart. Bha Sìne agus a mathair a’ bruidhinn mu chùisean aig an tigh, mu ’n chrodh, ’s mu sheana sheirbheisich a b’ abhaist a bhi aca. Mar so bha an uallach air aotromachadh agus bha iad air an deasachadh ’s air an uidheamachadh air son cath an t-saoghail a chur, ach an dràsd ’s a rithisd thigeadh aobhar am bròin ’nan smuain agus thigeadh tiomachd air an cridhe. [TD 58] Cha bu luaithe dh’ fhàg na cairdean an tigh na rinn an gobhainn ni nach d’ rinn e riamh roimhe, thug e lamh air a’ Bhiobull agus ars’ esan r’ a mhnaoi—“Leughaidh mi caibideil mu ’n gabh sinn mu shuain.” Chuir a bhean a lamh gu caoimhneil air a ghualainn agus shuidh i r’ a thaobh. Leugh e earrann no dha as na caibdeilean a chaidh a leughadh leis a’ mhinisteir. B’ ainmig r’ a fhaotainn tigh anns an robh an sonas agus an t-sìth a bha ri fhaighinn an tigh a’ ghobhainn an oidhch’ ud. Chaidh a’ chiste bheag dhubh fhàgail an tigh a’ ghobhainn an oidhche roimh ’n tòrradh. ’N uair a bha an tigh sàmhach chaidh Dà’idh beag a leagail gu socrach innte le ’athair. Bha a mhathair an sin a’ ceartachadh an anairt agus a’ cur a leadan buidhe, bòidheach ann an òrdugh réidh. Phaisg i a làmhan beaga air a bhroilleach, agus phòg i a bhathais mìn. Mu dheìreadh chuir an gobhainn am brod air a’ chiste dhuibh, ach air a leithid de dhoigh ’s nach robh an t-aodann cùrnaichte. Ré na h-uine bha iad ris an obair thiamhaidh so cha tàinig facal as am beul. Mu ’n do ghabh iad mu thamh chaidh iad le cheile a ghabhail seallaidh eile air leanabh an gràidh. ’N uair a bha iad ’nan seasamh gu sàmhach taobh a cheile, mhothaich an gobhainn lamh a’ beantainn ri laimh fhein gu faicilleach. Bha seorsa fiamh oirre gus an do mhothaich i a lamh air a glacadh gu teann le laimh a céile, agus an sin sheall i ’na aodann dubhach le sealladh tiamhaidh, brònach agus ’nuair choinnich an sùil- [TD 59] ean, leig i cudthrom a cinn air a ghualainn agus ars’ ise—“Uilleim, so an sealladh mu dheireadh air mo leanabh an taobh so ’n uaigh, ach fhir mo ghaoil, feumaidh tusa agus mise ’fhaicinn a rithisd, agus gun dealachadh a bhi ann. Tha fhios againn far a bheil esan, agus feumaidh sinne dol g’ a ionnsaidh. Nis, geall dhomh, bòidich leam-sa a nis agus ann a so, mar a ghràdhaich sinn esan a dh’ fhalbh, agus mar a ghràdhaich sinn a chéile, gu ’m bi sinn ni ’s riaghailtiche ann am frithealadh air meadhonan nan gràs na bha sinn anns an am a chaidh seachad, agus, O Uilleim! gabh mo leisgeul oir cha ’n e m’ àite labhairt, ach cha ’n ’eil atharrach agam air, aontaich, mo dhuine maith, leam-sa gu ’n toir sinn ar cridheachan a nis agus gu bràth do ar Slanuighear, agus Slanuighear ar leanabh lurach, Dà’idh Beag!” Chaidh na facail sinn a labhairt gun a ceann a thogail bhàrr gualainn a céile, ann an guth iosal, ’s i gu tric ag osnaich leis an làn a bha ’na cridhe ged nach robh deur air a sùil. Cha do labhair an gobhainn, ach chrom e ’cheann gus an do thuit a dheòir ghoirt air a muineal, ’n uair thuirt e ann an cagar “Amen, a Shìne, gu ’n cuidicheadh Dia mi!” Bha iad le cheile ’nan tosd car tacan agus shil an deòir gu pailt, agus thug so seòrsa faochaidh dhaibh le cheile. Phòg i an sin leanabh a gràidh, agus thionndaidh i air falbh. Ghabh an gobhainn làimh a leinibh ’na làimh fhein, ag ràdh—“Slàn leat a Dhà’idh, agus ’nuair a thachaireas sinn [TD 60] thall, ’s e mo bheachd gu ’m bi sinn le cheile eadar-dhealaichte seach mar tha sinn an nochd!” Chuir e an sin am brod air a’ chiste dhuibh agus shuidh e sìos aig taobh na grìosaich a labhairt mu chùisean a bhuineadh do ’n tòrradh. ’Na dheigh sin, air son na ceud uaire, dh’ iarr an gobhainn air a mhnaoi dol air a glùinean agus gu ’n cuireadh e suas facal ùrnuigh mu ’n gabhadh iad mu thàmh. An duine bochd! Bha e dùrachdach ma bha duine riamh ann, agus lean e air a’ chleachdadh so gu latha ’bhàis—cleachdadh a bha aig aon am ro chumanta aig ceann gach teaghlaich ann an Albainn—agus a bha air a chumail air aghaidh gu tric leis a’ bhantrach an déigh bàis a fir. Ach air a’ cheud oidhche so ’n uair a dh’ fheuch an gobhainn ri smaointean a chridh a leigeil ris cha b’ urrainn e faodainn seachad air “Ar n-Athair—!” Cha rachadh aige air dol ni b’ fhaide. Bha e mar gu ’n robh rud-eigin ’na mhuineal a bha brath a thacadh. Na ’n robh fhios aige air na bha air a ghabhail a stigh anns na facail sin, theagamh gu ’n abradh e ’n còrr, ach mar a bha cùisean, bha rùintean athar air thalamh a’ teudadh le rùintean an Athar neamhaidh ann an dòigh a bha os cionn a thuigse, agus bha e ’na thosd. Lean e air a ghlùinean car tacan, agus leig e ris a chridhe do Dhia mar nach no rinn e riamh roimhe. Rinn a bhean an ni ceudna. An ceann tacain dh’ eirich iad le cheile, agus ars’ a bhean—“Buidheachas dhuit air a shon, Uilleim, tha ’n tòiseachadh boidheach, [TD 61] agus tha fhios agam gu ’m bi an deireadh maiseach.” “Cha ’n ’eil ann ach iarunn fuar, a ghalad, ach thig e chuige,” ars’ an gobhainn, “agus bithidh e fhathasd snasmhor.” B’ e latha grianach bòidheach a bh’ ann an latha an tòrraidh. Chruinnich na càirdean ’s na coimhearsnaich; agus dhà no tri de bhràithrean-cèaird agus companaich a’ ghobhainn, gach aon ’na dheise-Sàbaid, ged a bha e ri fhaicinn gu ’n robh éideadh no dhà air lom a chunnaic laithean a b’ fheàrr. Bha sròl-aodach dubh air aid gach fir, agus bha medal airgid air an t-saighdear. Shuidh an gobhainn e fhéin aig taobh doruis a’ chatha, rug e air laimh air gach neach agus chomharraich e àite suidhe dha. Cha robh facal air a labhairt. ’N uair a bha chuideachd uile cruinn dh’ fhosgail am ministeir am Biobull mòr a bh’ air a’ bhord, agus leugh e earann as, agus an sin chuir e suas ùrnuigh dhùrachdach a bhean ris gach cridhe. Chaidh a’ chiste bheag dhubh a ghiùlan am mach; dh’ iarr Alasdair Saighdear cead ’àite ghabhail làmh ris a’ ghobhainn aig ceann na cuideachd, agus ghluais iad uile le ceum socrach, gus a chill a bha mu leth-mhile o ’n tigh, agus dhearc na h-ainglean air sealladh iongantach—tòrradh leinibh—iongantach mar shamhladh air pheacadh agus air saorsa o pheacadh; mar shamhladh air suarachas an duine mar chreutair agus a mhòralachd an co-cheangal ri Iosa Crìosd. ’N uair a ràinig iad an uaigh bha na h-eòin a’ seinn gu binn, bha baideil òir air na [TD 62] beanntaibh, a’ ghrian a’ deàrrsadh gu h-òrbhuidhe, ’s gu ’n deò a adhar. ’N uair a chuir Para-na-sluasaid an sgrath mu dheireadh air an uaigh ’s a rinn e còmhnard e le cùl na sluasaid, rug an gobhainn air an t-sluasaid a laimh Phàruig ag ràdh, “Leig leam ceartachadh beag a dheanamh air an uaigh.” Thruis e clachan beaga bha air uachdar nan sgrath, agus le cùl na sluasaid rinn e mìn an uaigh. Chuir e laimh air an sgrath uaine mar gu ’m biodh e gu cur air broilleach an leinibh agus a’ sìneadh na sluasaid do Phàruig ars’ esan—“Ni sin feum.” An sin thug e taing dhaibhsan a thainig chun air tòrraidh, agus dh’ fhàg iad “Dà’idh Beag” an sud ni ’s luachmhoire agus ni ’s maireannaiche na na beanntan siorruidh! Bliadhnachan ’na dhéigh so, bha Maighstir Ruaraidh, ’s e nis ’na sheann duine ’na shuidhe ’na sheòmar fein ’s e bruidhinn ri ministeir òg a bha de ’n bheachd nach robh e comasach moran a b’ fhiach a dheanamh air son Rioghachd Dhe air thalamh àrdachadh, gun oidheirp mhoir, agus mòran seanachais. Dh’ eisd am ministeir ris gu foighidneach, agus an sin ars’ esan—“A charaid òig, ’n uair a bhitheas tu cho sean riumsa ’s a chi thu na chunnaic mise, an sin tuigidh tu gu bheil Dia ’ga choimhlionadh féin ann an iomadh dòigh. Tha e ri chluinntinn anns a’ ghuth chiùin chaol, agus sin gu tric ’n uair nach faighear e anns a chrith-thalmhainn no anns a’ ghaoith mhoir. Dh’ innis [TD 63] aon de na foirfich a b’ fheàrr a bh’ agam riamh—’s tha bhean ’s a theaghlach co-cheangailte ris an eaglais fhathasd—dh’ innis e dhomh air leabaidh ’bhàis gu ’r ann co-cheangailte ri bàs a cheud leinibh, ’n uair a chuir mi eòlas air an toiseach, a fhuair e fo stiùireadh Dhe eòlas air an fhìrinn. Am feasgar air an d’ fhuair e bàs, ’s e ’g aithris nan nithean a chaidh a bheannachadh dha, ars’ esan, “Fo stìùireadh Dhe ’s e mo Dhà’idh Beag a rinn gu h-iomlan e!” [TD 64] NAIGHEACHD MU GHRACE DARLING. NA ’N do thuit do leughadair cùramach am paipear-naigheachd ris an abrar The London Times, a thogail air an aona-là-deug de September, 1838, theagamh gu ’n tuiteadh a shuil air sgeul beag ann an oisinn de ’n phaipear sin mu “Long-bhriseadh na Forfarshire.” Bha an naigheachd sin ceithir latha dh’ aois, oir cha robh naigheachdan a’ ruith cho luath ’san àm sin ’s a tha iad a nis; cha ’n e mhàin sin, ach cha robh an naigheachd ach air a leth aithris. Air feasgar Dhi-ciadain, an còigeamh là de September, sheòl am bàta-smùid, The Forfarshire á Hull, ’s i dol a Dhùn-dè le luchd iaruinn. A bharrachd air an iarunn bha mu dhà fhichead de luchd-turais air bòrd. Cha robh am bàta ach ochd bliadhna dh’ aois; b’ e John Humble, a bu sgiobair, sàr-sheòladair a chunnaic moran de ’n t-saoghal, agus bha làn sgioba air bòrd. Ach mu ’n d’ fhàg i Hull bha aon de ’n luchd-turuis fo iomagain; oir bha amharus aige gu ’n robh ni-eiginn ceàrr—oir bha luasgan is cagarsaich am measg an sgioba ’s nan ceannard nach robh idir taitneach. An deigh sin uile, cha tugadh rabhadh air bith seachad, agus [TD 65] sheòl i mu chiaradh an fheasgair, a sios an abhainn Humber gu soirbheachail. An ath-latha—b’ e sin Dir-daoin—thainig caochladh air an speur, sheid a’ ghaoth is chas an sruth, gus mu mheadhon oidhche, an robh a’ ghaoth a’ cur nam both dhi, is fead aice. Air maduinn Dhi-h-aoine bha long a Montrois a’ laidhe stigh air South Shields, ’n uair a chunnacas bàta beag ri spàirn am measg nan caoire geala. Chaidh iad an taobh a bha i, agus ged a bha na tonnan le cìrean crosda ag eirigh cho àrd ris na crannaibh, chaidh aca air a’ bhàta ’s na bh’ innte a theasairginn. Bha iad ann naoi pearsannan, ’s bha iad am beachd gu ’m b’ iadsan na chaidh a thearnadh de na bha air bord na Forfarshire a bha aig an àm sin ’na laidhe ’s a’ dol ’na sgealban air eilean Longstone, a h-aon de na h-eileanan a ’s fhaide mach de ’n ghrunnan ris an abrar “the Fame Islands.” Bha sgeul cianail aca ri aithris mu neo-churam, mu dhearmad, agus mu mhi-sgoinn comh-cheangailte ri turus-cuain na Forfarshire, ’N uair a bha iad anns an amhainn Humber, ’s gun iad fichead mile o Hull thàinig ao-dìon ann an aon de na coireachan, ach dhiùlt an sgiobair cur mu ’n cuairt agus tilleadh. Dh’ ordaich e ’bheairt-thaosgaidh a chur a dh’ obair, a lionadh a’ choire; agus chum an soitheach a cùrsa, ged nach robh e ach mall, oir cha deachaidh i eadar Eileanan Farne agus tìr mor gu feasgar Dhir-daoin. Bha e ochd uairean ’n uair a rainig iad beul “Berwick Bay,” is gaoth [TD 66] mhor a’ seideadh ás an iar-thuath. Bha luasgan na luinge an deigh an t-ao-dìon a’ mheudachadh, agus thuig iad a nis gu ’n robh toll anns gach aon de na tri coireachan. Chaidh dithis dhaoine a chur a dh’obair leis a’ bheairt-thaosgaidh, h-aon no dha de ’n luchd turais ’g an cuideachadh, ach ge b’ oil leo e, bha an t-uisge a’ doirteadh a mach ás na coireachan cho luath ’s a bha iadsan ’g a chur a stigh. Bha iochdar na luinge a nis cho làn taoim is uisge goilich nach robh e comasach na teineachan a’ chumail beò fo na coireachan. Air a shon sin uile bha i cumail buille ann gus mu mheadhon oidhche; ’nuair a bha iad mu choinneamh “St. Abb’s Head,” sguir an obair-theine oir chaidh an teine ás, ’s cha robh plosg ri chluinntinn ann am broilleach na luinge. Bha iad air an udal am measg nan stuadh a bha ’g éirigh gu greannach, garg; ’s bha ’n cladach cruaidh, creagach gle theann orra. Chuir iad gach seòl a bh’ aca ris na crannaibh an dòchas a cumail bho na creagan, agus chuir iad mu ’n cuairt i chum ’s gu ’n ruitheadh i roimh ’n ghaoith, agus mar bu dual thug an sruth a bha ruith mu dheas leis i, Bha an t-uisge a’ tuiteam ’na steall, agus a dh’ aindeoin na gaoithe bha ’n ceò dùmhail. Bha cuid de ’n luchd-turais air clàr na luinge agus cuid eile gu h-ìosal, agus bha fhios aca gu ’n robh iad uile an cunnart teann. Mu thrì uairean anns a’ mhaduinn bha iad a’ cluinntinn fuaim nan tonnan a’ briseadh air na creagan nach robh ach beagan an ceann orra, agus [TD 67] aig a’ cheart àm chunnaic iad solus air an laimh chli, agus ’n uair thuig an sgioba gu ’n robh iad air an iomain a dh’ ionnsaidh Eileanan Farne, thuit am misneach agus dh’ fhalbh an treòir. Tha mu fhichead eilean anns a’ ghrunnan so, cuid dhiu nach fhaicear ach aig ìsle-mhara, agus iad uile cruaidh, creagach, gun iochd. Aig àird a’ mheadhon latha, eadhon le rogha sìde, is miann leis gach maraiche cumail cho fada uapa ’s a ’s urrainn e. Thuig an sgiobair gu math mar a bha cùisean a’ seasamh agus c’àit’ an robh iad; agus dh’ fheuch e ri a cùrsa a stiùireadh troimh ’n chaolas a tha eadar na h-eileanan agus tir-mor. Bha an oidheirp faoin aig a’ chuid a b’ fheàrr, ach bha a’ bhochdainn anns a’ chuis ’n uair a dhiùlt i an stiùir a fhreagairt! Air a h-aghaidh ghabh i anns an dorcha, na bu dluithe ’s na bu dluithe air na creagan cruaidh air an robh na tonnan a’ sadadh. Bha na bha air bòrd fo fhiamh is eagal. Bha na mnathan a’ sgreadail ’s ri bualadh bhas. Rinn bean an sgiobair greim-bàis air ’s i gul ’s a’ glaodhaich. Bha an sgioba a nis coma ach iad féin a shàbhladh, ma bha sin comasach. Eadar a trì ’s a ceithir dh’ uairean ’sa mhaduinn thainig cùisean gu aona-cheann, chualas an sgriachail uamhasach a bh’ aig druim na luinge air na sgeirean, agus ann an tiota thug a sron fead air a’ charraig chruaidh a chuir crith air na bha air bòrd. Ann an tiota leig cóignear de ’n sgioba a sios am bàta, agus leum iad innte. Is gann a fhuair iad air [TD 68] falbh bho thaobh na luinge ’n uair thug fear de ’n luchd-turais duibh-leum thar na cliathaich a stigh do ’n bhàta. Cha mhor nach do chuir e ’n car dhi, ach cheartaich i i-fein agus dh’ iomair iad air falbh mar dhaoine bha a’ teicheadh le ’m beatha. Ann an tiota chaill iad sealladh air an luing, ’s bha iad ag éisdeachd glaodh-bàis nam ficheadan a bha ’g am bàthadh, ’s bha ’m bàta ’s na bh’ innte air falbh leis an t-sruth. B’ e sud an sgeul a dh’ innis sgioba a’ bhàta bhig a chaidh a theàrnadh an ath latha le luing á Montròis. Ach ciod a dh’ eirich do ’n chòrr de ’n sgioba agus an luchd-turuis a bh’ air an Fhorfarshire? An deachaidh iad uile do ’n ghrunnd gu ’n laimh bhi air a shìneadh gu ’n teàrnadh? Is gann a dh’ fhag am bàta beag taobh na luinge ’nuair a bhuail tonn mor an Fhorfarshire anns an deireadh, a thog beò slàn i, agus a thilg air a h-ais i air na sgeirean neo-thruachanta. Bhuail i mu a meadhon air cìrean creige agus chaidh i ’na dà bhloigh. Chaidh a’ bhloigh dheiridh a shlugadh suas leis a’ chuan, le mu fhichead pearsa an crochadh rithe, an sgiobair ’s a bhean ’n am measg. Bha grunnan beag de fhir is mnathan—mu naoinear—anns an toiseach, agus chaidh iadsan agus bloigh thoisich na luinge a thogail beò slàn air na creagan. Ann an toll toisich na luinge bha boirionnach bochd agus di leanabh beag an crochadh rithe. ’Nuair a bhuail an long air na creagan bha na tonnan a’ deanamh an rathaid a stigh do ’n toll [TD 69] thoisich, air bheagan bacaidh. ach chum i a h-àite gu gramail. As deigh a cheile fhuair na leanabain bàs le fuachd is acras, agus a’ tuiteam á broilleach am màthar, a bha air meileachadh leis an fhuachd, chaidh an sguabadh air falbh do ’n chuan, ach mhair i fhéin beò troimh ’n oidhche oillteil ud. Bha e nis mu cheithir uairean anns a’ mhaduinn agus bha an stoirm a’ séideadh gun choltas fannachaidh, agus briseadh na fàire fhathasd dà uair uapa. Mu mhìle o Longstone, an t-eilean air an do bhuail an long, tha eilean Brownsman, am fear a’s fhaide mach de na h-eileanan Farne, agus air an eilean sin tha tigh-soluis. B’e Uilleam Darling a b’ ainm do fhear an tigh-sholuis aig an àm so. Bha e ’na sheann duine, ’s cha robh leis ’s an tigh-sholuis ach a bhean, agus a nighean Grace Darling, a bha mu fhichead bliadhna dh’ aois. Air an oidhche ud thuit dhi ’bhi ’na faireachadh, agus os cionn nuallanaich an stoirm chual i glaodhaich dhaoine ann an cruaidh chàs, ri uchd bàis. Ann an geur iomagain dh’ éirich i agus dhùisg i a h-athair. Chualas a’ ghlaodhaich thiamhaidh ud a rithis ’s a rithis ach anns an dorchadas cha bu léir dhaibh nì. ’Nuair thàinig solus latha, ’s ann air eiginn a bu leir dhoibh astar beag uapa, oir bha ceò air a’ mhuir. Mu dheireadh le gloin’ amhairc chaidh aca air an long fhaicinn air eilean Longstone agus chomharraich iad daoine a’ gluasad m’ a timchioll. Eadar an tigh-soluis agus eilean Longstone bha mu mhìle de chuan beirmeach, agus sruth laidir ’na [TD 70] dheann-ruith. Cha robh mu ’n tigh-sholuis ach seana sgonn de bhàta leisg a ghabhadh neart dà fhireannaich g’ a h-iomram air latha math, ’s cha robh aig laimh an dràsd ach seann duine agus caileag òg g’ a h-iomram an aghaidh sruth is soirbheas. Cha robh an seann duine idir togarrach gu falbh, ach cha chluinneadh a nighean facal mu dhàil. Air taobh eile a’ chaoil ghoilich sin bha daoine dol a dhìth, agus cha b’ urrainn ise fuireach far an robh i agus am faicinn air an call. Mu dheireadh chuir iad gu cuan anns an t-seana bhàta, is ràmh an t-aon aca, ag iomram an diongaisg an cridhe ’s le ’n uile neart. Bha iad ann an cunnart gach tiota a bhi air an slugadh suas no air an tilgeil air na creagan. Eadhon ged a gheibheadh iad na bha air eilean Longstone dheth, cha robh iad idir cinnteach gu ’n rachadh aca air iomram air ais gus an tigh-sholuis; oir bha e nis mu airde làin agus thilleadh an sruth ’s bhitheadh e ’nan aghaidh an àm tillidh; gu dearbh cha robh an turas ’na shùgradh. ’Nuair a bha iad teann air an eilean bha lunn trom ann agus bha am bàta an cunnart a bhi air a cur ’na clair air na creagan cruaidh. Thug an seann duine na raimh d’ a nighinn agus ’nuair a bha iad teann air na creagan thug e duibh-leum air tìr, agus air chùl dà ràmh dh’ iomair ise mach o’n chladach. Cha ’n ’eil e farasda ’thuigsinn c’ iamar a chaidh an naoinear, a bha air fannachadh leis [TD 71] an acras agus air meileachadh leis an fhuachd, fhaotainn anns a’ bhàta, gu sònraichte am boirionnach bochd a chaill a dà leanabh, oir bha ise cho fann ’s gu m b’ fheudar a giùlan eadar cheathrar. Mu dheireadh fhuair iad uile a stigh agus thug iad aghaidh air an tigh-sholuis. Bha fear no dha de na seoladairean, fann ’s mar a bha iad, comasach air beagan cuidichidh a thoirt, agus mu dheireadh rainig iad sàbhailte eilean Brownsman air an robh an tigh-soluis. Bha e làithean ’na dheigh so mu ’n do lagaich an stoirm, agus, mar sin, b’ fheudar dhoibh uile fuireachd mar bh’ aca anns an tigh-sholuis; agus a bharrachd air na chaidh a theàrnadh, bha anns an tigh-sholuis sgioba bàta a thàinig a South Shields a dh’ fheuchainn ri sgioba na Forfarshire a theàrnadh. Bha mar so fichead pearsa anns an tigh-sholuis; ach ’na dhéigh sin uile bha Grace Darling agus a mathair, boirionnach caoimhneil, deanadach, comasach air an teaghlach mor so a chaidh a thilgeil air an làmhan, a chur air doigh gus an do chiùinich an stoirm ’s an d’ fhuair iad fuasgladh. Tha e air innseadh gu ’n robh an nighean eireachdail so, còir, caoimhneil agus truacanta mar bhean-eiridinn, agus neo-ar-thaing mur robh i gaisgeil mar bhoirionnach. Cha b’ urrainnear thoirt oirre a thuigsinn gu ’n do rinn ise gniomh eug-samhail; agus an uair a [TD 72] bha àrd is iosal a’ farpais chum urram a thoirt dhi air son a gaisge, ghiùlain ise i-fhéin gu modhail, màlda, gun uaill, gun àrdan. Teann air Bamborough air dùn gaothar, chithear eaglais bheag, agus cladh sàmhach. Aig gach àm de ’n bhliadhna tha ’ghaoth tuath a’ séideadh gu farumach thairis air na h-uaighean agus ag itheadh air falbh nan clachan-cinn ghaireal a tha anns a’ chladh, air chor ’s gur gann gu ’n aithnich thu na seana-chlachan bho na clachan ùra. Air leac-lighidh ghrinn chithear dealbh boirionnaich agus mar gu ’m biodh lann ’na glaic, a toirt a’ d’ chuimhne dealbh nan laoch fo lùirich a chi thu gu tric air seana leaca-lighidh, is greim ac’ air claidheamh meirgeach dà laimh. ’S e so an carragh-cuimhne aig Grace Darling, ’s i le dòirneig an raimh gu teann ’na glaic. [TD 73] CAOL-THEARNAIDHEAN AIR UISGE EIRE. [Chaidh an naigheachd a leanas ris an abrar Adventures on the Findhorn, a sgriobhadh ann an leabhar d’ an ainm Lays of the Deer Forest, by John Sobieski and Charles Edward Stuart (London, 1848).] CHAILL mi mo bhàta anns an tuil mu dheireadh a bh’ air abhainn Eire, agus b’ i an treas bàta a chaill mi air a’ bhliadhna ud, agus, gus am faighinn té eile, cha robh agam air ach “casan fada dhol troimh ’n abhainn.” Chaidh mi thairis latha bha sin; bha baideal trom anns an iar, air gualainn Beinn-Drianachain, ach bha ’n còrr de ’n speur gun neul; bha ’n abhainn ’na h-àbhaist ’n uair a chaidh mi troimh ’n àth, ’s a rinn mi mo rathad do ’n fhrìth. Cha robh mi ’n tòir ach air aon damh, agus, mar sin, cha d’ thug mi ach cuairt ghoirid gu bràigh an Dùin-fheàrna, agus a’ leigeil le cloich mhòir chruinn ruith a sìos do phreasarnaich a bha a’ cinntinn mu bhruachan an uillt a bha aig bonn an Dùin, dh’ fheith mi car tiota. Cha luaithe chuala mi a’ chlach a’ toirt fead air na clachan a bha ann an amar an uillt, na mothaich mi luasgan anns a’ phreasarnaich, agus a mach leum dà eilid bheag. Cha do gabh mi orm gu ’m faca mi iad, ach thug mi ’n aire an t-iongantas a bh’ orra ciod [TD 74] a ghluais iad as an doire challtainn anns an robh iad ’g am folach. Le ’n sròin s a ghaoith thug iad an casan as. Thog mise orm gu taobh eile an Dùin. Aig bruthach réidh tioram ris an abrar Bràigh-a’-choilich-choille, tha fiaradh farsuing air a chòmhdach le rainich mhòir reachdmhoir a ruigeas na h-achlaisean, agus lus-nam-ban-sìth a b’ àirde na mullach mo chinn, ’N uair a bha mi aig oir an t-sléibh so thug mi an aire do m’ chù, “Gaisgeach,” a’ biorachadh a chluasan ’s a’ togail a shroin ri athar. Ag dìreadh a’ bhruthaich le cabhaig rainig mi cìrean an Dùin far an robh sealladh agam air dà thaobh an t-sléibh. Is gann a fhuair mi a dh’ ionnsaidh a’ mhullaich ’n uair a chaidh “Gaisgeach” as an t-sealladh am measg na rainich, agus bha an luasgan a bha ri fhaicinn ag innseadh dhomh far an robh e. Mu fhichead slat fodham leum damh na cròice a mach ’s “Gaisgeach” aig a shàil. Rinn mi fead a chur stad air, agus ann an tiota sheas e a ’dh’ éisdeachd, ach bha craobh mhor ghiuthais eadar mi ’s e, oir bha aig an am so grunnan bòidheach de chraobhan àluinn a’ cinntinn mu mhullach Dùin-fhearna. Mhothaich an damh an cù air a lorg agus thàr e as; ach cha deachaidh e fada, oir chuir mi mo ghunna ri m’ shùil agus ann an tiota chuir e car-a-mhuiltein dheth leis a’ bhruthach ’s cha do sguir e gus an d’ ràinig e amar an uillt. Thug mi am mionnach as, thug mi a dhuais fhéin do ’n chù, agus dh’ òl mi an “Deoch-fhala” le gàirdeachas. Leis nach robh agam ach mi fein, ’s gun agam ri [TD 75] dol fada, thog mi air mo ghualainn closach an fhéidh, agus thog mi orm gu àth Chreig-an-daraich—tannalach farsuing le fior dhroch ghrunnd; ach b’ e so an t-àth bu dlùithe oirnn. ’Nuair a bha mi teurnadh na Bruaich-ghairbh sheall “Gaisgeach” a suas ann an craoibh ghiuthais, agus an sin thòisich e ri sròineiseachadh mu ’bun. Sheall mi am measg nam meanglan; ach cha ’n fhaca mi ni ach seann nead seabhaig. Bha mi brath falbh ’n uair a thòisich “Gaisgeach” air streap ris a’ chraoibh, e sìor amharc a suas am measg nan geugan, ’s a chluasan an togail. Leig mi sìos am fiadh a’ bh’ air mo dhruim, agus cuir mi mo ghunna air ghleus. Thilg mi clach air nead na seabhaig agus a mach aisde leum cat-fiadhaich a thug a chasan as, a’ dannsadh gu mear am measg nan geug, ’s o chraoibh gu craoibh. Leig mi ’n gunna ris is thuit e marbh aig mo chasan. Shuidh “Gaisgeach” air toman fhad ’s a bha mi ceangal a’ chait-fhiadhaich le èill ri closach an fhéidh, ’s a shùilean ag ràdh—“Nach d’ thubhairt mi riut gun robh beothach beò anns a’ chraoibh.” Thog sinn oirnn gus an àth. ’Nuair a bha mi teàrnadh Doire-na-h-iùraich chuala mi fuaim a’ chaochain ag innseadh dhomh gu ’n robh an abhainn air at, ’s a’ lionadh a h-amar o bhruaich gu bruaich. ’Nuair thug mi mo cheann as an doire chunnaic mi gu ’n robh an abhainn air eirigh cho ard ’s gur gann a chomharraicheadh tu a’ chlach a th’ ann am meadhon an àth—agus tha [TD 76] fhios aig na h-uile ma tha chlach mhòr cùrnaichte nach eil e cneasda an àth fheuchainn. Thuig mi gur ann ag at a bha ’n abhainn, agus o’n a bha sgailc na cloiche nochdte thuirt mi rium fhein gu ’m feuchainn ri dol troimh ’n abhainn seach dol mu ’n cuairt drochaid Dhail-an-Tulaich a bha ceithir mìle uam. Sgioblaich mi mi-fhein mar a b’ fheàrr a dh’ fhaotainn ’s thug mi sùil ach c’ àite ’n robh “Gaisgeach.” Bha mo laochan an deigh dol a suas gu linne Chreig-an-Daraich; ach bha e cumail a shùil orm agus cho luath ’s a chunnaic e mo dhà chas anns an uisge leum e mach agus ann an ùine ghoirid bha e thall, ’s a’ sior-amharc ormsa a’ gleachd ris na cuartagan. Bha mi nis an uisge domhain, ach cha d’ ràinig mi fhathast an t-àite bu doimhne. Bha an sruth an geall air mo thoirt leis ach bha mi strìth gu danarra ’na aghaidh. Bha mi gluasad gu faicilleach oir bha moran de chlachan cruinn sleamhainn anns an àth. Sheas mi a leigeil m’ anail agus thug mi suil a ’m dheigh, agus chunnaic mi gu ’n robh a’ chlach mhòr anns an àth an déigh a ceann a thoirt fodha ’s an sruth a’ dol thairis orra gu mìn réidh. Ochd slatan eile agus bhithinn troimh ’n chuid a bu doimhne de ’n àth. Chuir mi mo ghualainn an aghaidh an t-sruth ach ’s ann air éiginn a bha mi cumail mo chasan, agus bha ’n anail ’s an uchd agam leis a’ chudtrom a bh’ air mo dhronnaig—am fiadh, an gunna ’s an cat-fiadhaich. Is gann a bha e comasach dhomh ceum a dheanamh, bha an t-uisge cho àrd, an sruth cho làidir agus an [TD 77] grunnd clachach cho sleamhainn. Anns an spàirn a bh’ ann thuislich mi agus b’ feudar dol leis an t-sruth beagan shlat, ach fhuair mi an taice cloiche mòire agus leig mi m’ anail. Thog mi orm a rithis. Bha an t-uisge a nis gu math thar mo chrios agus teann air na h-achlaisean, agus thuig mi air a’ cheud cheum a thug mi bho ’n chloich gur ann na bu doimhne bha e fàs, agus na ’n robh an t-uisge sè òirlich na b’ airde gu ’n giùlaineadh e leis mi. Rinn mi oidheirp thréun agus chaidh agam air dol dà shlat an aghaidh an t-sruth a dh’ fheuchainn an ann na bu doimhne bha e dol. Bha na tonnan a’ leum mu ’n cuairt orm, ’s an sruth brath mo ghiùlan leis. Ann am imcheist sheall mi romhan ’s am dhéigh. Chuimhnich mi an sean-fhacal, “Is feàrr tilleadh am meadhon an àtha na bàthadh uile.” Re na h-uine o’n dh’ fhag mi an taobh thall cha robh “Gaisgeach” bochd gun iomagain. Shuidh e air bruaich na h-aibhne a’ sior-amharc an taobh a bha mi agus a’ cur ri caoine. ’Nuair chunnaic e mi dol leis an t-sruth, dh’ fheuch a’ bhrùid thruagh ri dol g’ am chuideachadh. B’ fheudar dhomh m’ anail a leigeil tacan eile, ’s mi ’n taice cloiche mhoire. Bha leisg orm tilleadh ach bha eagal orm dol air m’ aghaidh. Bha mòr orm cuideachd na bha air mo mhuin a leigeil leis an t-sruth, ’s rinn mi oidheirp eile; ach b’ fheudar tilleadh ge b’ oil leam e. Dh’ fheuch mi ri tilleadh an taobh a thàinig mi. Bha mi deich-slatan-fichead na b’ fhaide leis an t-sruth na bha ’n uair a dh’ fhag mi bruach na [TD 78] h-aibhne, agus bha an t-uisge a’ goil ’s a’ gurragail mu ’n cuairt orm; thug mi feall-cheum agus theab mi bhi air mo ghiùlan bhàrr mo chasan, agus a’ feuchainn ri m’ chasan a chumail, bhris am fallus a mach air mo bhathais, thòisich mo cheann air snàmh ’s mo chluasan air seinn, agus theab mi bhi air mo thacadh leis an èill a bha ceangal mo ghunna agus an fhéidh air mo mhuin. Sheall mi leis an t-sruth, ’s cha robh ri fhaicinn ach cuairteagan geala ’s tonnan beirmeach ’nan deann-ruith do linne dhuibh a bha mu fhichead slat fodham. Bha bruach uaine na h-aibhne mu ’m choinneamh fo sgaile a’ bharraich, ’s e air a chòmhdach le sòbhraichean is brògan cuthaig. Shaoil leam nach fhaca mi riamh bruach na h-aibhne cho uaine, bhòidheach ’s a bha i aig an àm ud, ach bha mo shùilean a’ fàs fann agus mo luirgnean a’ fannachadh leis a’ chruaidh spàirn a bh’ agam. Chunnaic mi nach robh atharrach ann ach feuchainn ri snàmh gu tìr, agus thug mi tarruing air mo sgèin-dhuibh agus gheàrr mi na h-iallan a bha ceangal a’ ghunna ’s closach an fhéidh air mo mhuin, ach chum mi greim air an èill le m’ laimh, ealamh gus na bh’ air mo dhronnaig a leigeil leis an t-sruth na ’m b’ fheudar e. Thog mi boiseag uisge agus dh’ ionnlaid mi mo bhathais. Sguir an tormanaich a bha ’m chluasan agus thill mo fhradharc, agus chunna mi mo bhoineid chruinn a’ dannsadh anns na cuartagan mu fhichead slat leis an t-sruth. Bha mi ’gam fhaireachadh fhéin na b’ aotruime [TD 79] leis nach robh an eallach a bh’ air mo mhuin ceangailte rium, ach bha mi cumail greim dainginn air an èill ’s an geall air na bh’ agam a thoirt sàbhailte gu tìr na ’n robh sin a’ m’ chomas. Thug mi oidheirp eile air tilleadh an taobh a thàinig mi, ach ’n uair a ràinig mi meadhon na h-aibhne thuig mi gu ’n robh glumag dhomhain eadar mi ’s tìr. Cha robh ach de dh’ eagal orm gu ’m bithinn air mo ghiùlan bhàrr mo chasan, agus gu ’n leanainn mo bhoineid chruinn, ach chuir mi mo ghualainn ris an t-sruth agus chuir mi mo chasan am forcadh ris na clachan agus le m’ uile neart dh’ fheuch mi ri dol an aghaidh an t-sruth. Ach thòisich na clachan anns a’ ghrunnd air m’ fhàgail agus ’s ann a b’ fheudar dol air m’ ais ceum no dhà agus tòiseachadh as ùr. A dheanamh na cùise na bu mhiosa bha an abhainn ag at ’s ag at. ’Nuair a bha mi mar so a’ cathachadh an aghaidh an t-sruth chunnaic mi “Gaisgeach” a’ snàmh bho thìr. Bha e mu dhà shlat na b’ àirde na bha mise, ach an àite dol thairis gus an taobh eile, thill e mu mheadhon na h-aibhne agus thàinig a’ bhrùid an taobh a bha mi, ach bha ’n sruth ro bhras air a shon agus chaidh a ghiùlan leis. Ghlaodh mi ris, agus sheòl mi dha le m’ laimh an taobh a bu chòir dha dol, agus chaidh aige air a’ bhruach a ruigeachd gu tearainte. Bha mi tarruing m’ analach ’n uair a bha mi coimhead ’s a stiùireadh a’ choin, agus ’nuair a chunnaic mi, esan air tir rinn mi oidheirp eile air mi fhein a shàbhaladh. Bha “Gaisgeach” bochd a’ cumail a [TD 80] shùil orm agus e ’na sheasamh anns an tanalaich aig oir an àth ’s e cur ri caoine ’s ri miolaranaich mar gu ’m biodh e feuchainn ri thoirt orm a thuigsinn gu ’m b’ e sud an t-àite a bu chòir dhomh ruigeachd. Rinn mi ceum no dha air m’ aghairt ’s cha robh na clachan idir cho sleamhainn, no an grunnd idir cho garbh, agus thoisich mi air misneach a ghabhail gu ’n ruiginn thall gu goirid ’n uair a chunnaic mi tighinn leis an t-sruth ultach de bhàrrlach is trabhach a bhiodh air mo mhuin ann an tiota agus a sguabadh leis mi. Le m’ uile neart rinn mi oidheirp air bruaich na h-aibhne a ruigeachd; thoisich na bulabhagan a bha fo m’ chasan air m’ fhàgail agus bhithinn air mo bheul ’s air mo shròin mur a bhiodh gur ann an aghaidh an t-sruth a thuit mi. Bha mi fàs dall, bodhar, ach thug mi aon shinteag—cha ’n ’eil fhios agam ciamar—agus rainig mi bruach na h-aibhne ’s shìn mi mi-fein leth-mharbh air an fheur uaine. Thàinig “Gaisgeach” an taobh a bha mi ’s thòisich e air m’ aodann ’s mo làmhan a phògadh, dh’ fheuch e ri m’ thionndadh air mo chliathaich, ’s rinn e na b’ urrainn e gu toirt orm bruidhinn; ach cha robh sin am chomas oir bha mi ’g ospagail le dìth na h-analach, agus mo cridhe ’n impis sgàinidh. Laidh mi greis air an leanaig uaine, ’s mi bog, fliuch, gun chomas carachaidh. Mu dheireadh dh’ éirich mi ’n am leth-shuidhe, ach ’s gann a bha mi a’ leirsinn, oir bha sgleò trom air mo shùilean, ’s bha fuaim nan uisgeachan a’m chluasan. Thug [TD 81] mi sùil air an abhainn a bha ruith seachad le sgriob, a’ giùlan leatha gach ni a bha cur bacaidh orra. “Beannaichte gu ’n robh ainm ar Tighearna!” arsa mise le taingealachd. Shìn mi mach mo làmh agus bhuain mi blàth no dha, ’s bha am fàile cubhraidh dhòmhsa mar thùis. Ar leam nach fhaca mi blàithean riamh cho maiseach riu. Thaisg mi ’n am bhroilleach iad, is tha iad agam fhathasd, ’s cha ’n ’eil uair a dhearcas mi orra nach abair mi “AS AN DOIMHNE GHAIRM MI ORT, O THIGHEARNA!” SIN agaibh cuid de na cunnartan a tha ri fhaotainn comh-cheangailte ri àthan Uisge Eire, agus cha lugha deuchainnean a thachras air-san a dh’ fheuchas ris an aiseag a ghabhail le bàta, mar a thuigeas sibh o’n sgeul a leanas:— Feasgar a bha sin bha mi fhein ’s mo phìobaire agus mo chuilean “Gaisgeach,” a’ tighinn dachaidh. Air dhuinn tearnadh gu linne Chluthaig, far an d’fhàg sin am bàta ’s a’ mhaduinn air theadhair anns an linne, thug mi ’n aire do “Ghaisgeach” a’ toirt sùl orm an dràsd ’s a rithis, ’s a chluasan an crochadh, agus ’n uair a rainig sinn am frith-rathad a dh’ ionnsaidh bruach na h-aibhne, sheas e, agus an àite ruith romham ’s ann a bha e cùl mo shàlach, agus an àite leum a stigh do ’n bhàta, ghabh e mach agus shnàmh e gus an taobh eile. ’N uair a thug sinn ar cinn as a’ choille ’s a ràinig sinn bruach na h-aibhne thuig mi gu ’n robh mo chuilean pailte [TD 82] cho glic r’ a mhaighstir. Bha an abhainn ’na caoire geala bho bhruaich gu bruaich, ’s i ’na deann-ruith ’s a turus gu tràigh, ’s am bàta bh’ air acair anns an linne a’ bogadaich anns an t-sruth, agus an còmhnaidh a’ spadhadh a teadhair. Chuala “Gaisgeach” fuaim na h-aibhne agus thuig e ciod a bh’ air thoiseach oirnn. Bha am bàta air acair teann air slugan na linne ann an seorsa de dh’ òban, a bha nis làn de chobhar a suas gu beul-mor a’ bhàta. Bha an sealladh bòidheach gu leòir mur an robh againn ach ri amharc air. Sheall Dòmhnull orm fhein. Cha robh atharrach ann ach drochaid Dhail-an-tulaich a bha còrr agus ceithir mile uainn, le dà dhamh cròiceach air ar druim, agus sinn air falbhan o’n a bha e ceithir uairean anns a’ mhadainn. Sheas mi tiota a’ breathnachadh co dhiu a rachadh againn air dol tarsuing, no an rachadh ar tarruing leis an t-sruth. Chunna mi ’n uair a dh’ fhàgamaid an t-òban gu ’n robh sinn air cìrean an t-sruth a bha ruith gu h-uaibhreach ann an amar cumhann na h-aibhne. “A bheil buille snàmhadh agad, a Dhòmhnuill?” arsa mise. Sheall Dòmhnull orm le splèamas, agus ars’ esan—“Nach ’eil fhios agaibh gu bheil?” is dearbh fhios aige gur tric a bha sinn ’s an uisge còmhla—air a’ mhuir agus anns an abhainn. “Tha fhios agam gu ’n téid agad air snàmhadh, ach ’s i ’n abhainn so bha ’nam bheachd.” “O, gu dearbh!” fhreagair Dòmhnull; “ach so am fear nach d’fheuch riamh i mar tha i ’n diugh!” “Is ciod do bharail oirre?’ [TD 83] “Ma ta ’s ann agaibh fhéin is feàrr fios, ach ma bheir sibhse aghaidh oirre, so am fear nach bi air dheireadh.” Is tric a bha sinn còmhla air an uisge a dh’ oidhche ’s a latha, ri stoirm ’s ri fè, agus ged a bu dàn an oidheirp shaoil leam gu’n rachadh againn air. Thilg sinn meangan craoibh anns an t-sruth a dh’ fhaicinn de cho luath ’s a bha e ruith, ’s chaidh e seachad oirnn cho luath ri mial-chu, agus ann an tiota bha e ann an cuairteig an Spùd-dhuibh, ás nach tainig ni beò riamh, agus goirid ’na dhéigh sinn thog e ceann anns an linne fo ’n Spùd cho min gheal ’s ged a bhiodh e ann am beairt-thuairnear. Chunnaic Dòmhnull gu ’n robh mi an geall air an aiseig, agus thòisich e air a’ bhàta fhuasgladh—gun facal á cheann. Chuir sinn na féidh anns an deireadh, agus na gunnachan air an uachdar, agus thairis orra uile thilg sinn ar breacain. Ghabh mise na raimh—bha mi fhéin agus Dòmhnull sean-eòlach air an obair—agus b’ aithne dha an cùrsa gu ro-mhath. Chum sinn sròin a’ bhàta ris an t-sruth agus ’nuair a bha gach ni deas leig Dòmhnull ás an ròpa, agus thug mi buille air chùl dà raimh a chuir le sìnteig i gu meadhon an t-srutha. Thug mi sùil thar mo ghualainn agus bha Dòmhnull anns an toiseach agus greim-bàis aig air a’ bharr-snaois agus a shùilean a’ lasadh. Bhuail an sruth bras i anns a’ chliathaich agus theab e cur a stigh, agus mu ’n d’ fhuair i i fhéin a cheartachadh bha i leitheach uisge. [TD 84] A’ dol leis an t-sruth a dh’ aindeoin na dheanainn bha sinn am measg nan caisleagan ’s nan cuartagan agus mhòthaich mi mar gu ’m biodh am fliuch-bhòrd a’ fàgail na droma. Thug mi làn bhuille le m’ uile neart agus fhuair mi do ’n t-saor-shruth i, agus le buille gramail no dhà fhuair sinn á cunnart i, agus ged a bha i leitheach uisge, chaidh agam air bruach na h-aibhne a ruigeachd. Bha Dòmhnull ’na shuidhe mar chat a bhiodh dol a leum, agus mu ’n robh sinn teann air tìr thug e leum beò gu tìr, ’s an ropa-toisich ’na laimh. Thug mise stigh na raimh agus leum mi mach, agus aig a’ cheart am thug am bàta sitheadh aisde gu bruaich na h-aibhne agus shaoil leam gu ’n robh a dà bheul air a chéile. Bha Dòmhnull air bruaich na h-aibhne ’s an ropa-toisich ’na laimh ach le neart an t-srutha bha ’m bàta ’ga tharruing leatha. Mu dheireadh fhuair e ’n ròpa chur mu sheann stoc craoibh agus chum sin rithe. Shuidh sinn, shuath sinn ar bathais, agus dh’ amhairc sinn gu tosdach air a chéile. Bu bheag an uine o’n a bha sinn air an taobh-thall, agus sinn fo iomagain ciamar a rachadh dhuinn, agus a nis bha sinn air an taobh so, agus bha sinn mar ann am bruadar. Bha h-uile ni bh’ ann cho h-obann, gur ann a bha sinn coltach ri daoine bhiodh air an tilgeil anns an speur le spreaghadh fùdair. “’S e mo bharail,” arsa Dòmhnull, air a shocair, “nach téid am bàta sin thairis gu bràth tuille.” “Carson?” “Nach cuala sibh i a bruanadh ’n uair bha i ann [TD 85] am meadhon an t-srutha, ’s ann a shniomh e i mar ghad?” “Mhothaich mi ni no dha is chuala mi rud no dhà, ach cha robh ùine agam gu smaoineachadh ciod a bha ceàrr.” “Ma ta cha robh mise smaoineachadh na bu mhò,” arsa Dòmhnull, “ach thàinig spùd uisge a nios air m’ aodann—a thàinig a stigh eadar an druim ’s am fliuch-bhòrd, agus cha robh de dh’ eagal orm ach gu’n rachadh i ’na dà leth.” Tharruing sinn am bàta a nios air an leanaig uaine, agus bha sracadh mór o ’toiseach gu ’meadhon, agus cuid de na clàir air an sniomh gu goirt ’s a marcachd a chéile. Cha ’n ’eil fhios agam fhathasd ciamar a chum i ri chéile. [TD 86] POSADH MAIRI CHAIMBEUL. BHO chionn còrr is trì fichead bliadhna bha Mairi Chaimbeul—nighean cho eireachdail ’s a chìteadh ann an siubhal latha fada samhraidh—aig seirbheis ann an tigh ministeir ainmeil ann an Siorramachd Earraghaidheal. ’Na pearsa, bha Mairi dreachmhor, dìreach; a gruaidhean mar an caorunn; a falt bachlach, bòidheach ’na mhìle camag ordail; agus a dà shùil mhìogach fo mhala chaoil, a mealladh cridheachan nan òganach. Bha aice mar leannan gille deas uallach d’ am b’ ainm Dòmhnull Mac Gilleathain, a dhìreadh am monadh gu h-uallach aotrom ’s a’ mhaduinn as déigh nan caorach—oir bu chìobair e—agus a dhùisgeadh fonn ann an cridhe Màiri leis na duanagan binn, bòidheach a sheinneadh e anns an fheasgar taobh na cagailte. Bha iad le cheile anns an aon sheirbhieis fad dà bhliadhna, agus mar is tric d’ an leithid, cha do mheas iad an ùine sin ach mar aon latha. Ged a bha iad mar so ann an càirdeas r’ a chéile cha robh bóid no gealladh-pòsaidh eatorra. Cha ghabh e àicheadh nach robh iad fìor chairdeil, gu tric a’ seinn òrain-ghaoil d’ a chéile; agus ’n uair thigeadh am fìdhleir dall an rathad, b’ e Màiri a’ cheud té a thogadh Dòmhnull a dhannsadh. Air an achadh- [TD 87] bhuana gheibhteadh iad daonnan air an aon iomaire, agus a’ tighinn dhachaidh ás an eaglais, bhiodh Domhnull agus Màiri ag coiseachd taobh ri taobh. Mach o so—agus their cuid gu ’m bu leoir e—cha robh dearbhadh aig neach gu ’m b’ i Mairi leannan Dhòmhnuill agus gu ’n robh ise an geall a cridhe air a’ chìobair. Thachair do ’n chàraid so mar a thachair do ’n leithid bho thoiseach an t-saoghail; cha robh cùrsa an gaoil mìn réidh, gun chamag gun chaisleag, oir chaidh fìrinn an t-sean-fhacail a tha ag ràdh nach robh cùrsa an fhior-ghaoil riamh réidh, a dhearbhadh dhaibh-san gu soilleir. Bha Donnacha Stiùbhart, a thàinig á Lochabar do ’n Bhlar-dhubh ’na fhleasgach deanadach, curamach, aig an robh gabhail mhath chaorach, agus slaim mhòr airgid anns an tigh-thasgaidh. Bha an t-airgiod so ’na laidhe bho bhliadhna gu bliadhna a’ tarruing réidh, agus a’ fàs ’n uair a bha Donnacha ’na shuain; agus dh’ éireadh iad moch a gheibheadh esan ’na chadal. Bha càirdeas-fad’-a-mach eadar Donnacha Stiùbhart agus Mairi Chaimbeul, ach bha e dlùth gu leòir gu cothrom a thoirt dha air e-fhein a dhaingneachadh ann an deagh rùn Màiri ’n uair a thàinig e a shuiridh, mar a rinn e feasgar a bha sin. Fhuair e fàilte ’s furan ann an tigh a’ mhinisteir. Mo thruaigh Dòmhnull cìobair bochd! Cha ’n fhaca Donnacha Stiùbhart Màiri Chaimbeul ach aon uair roimhe so, ach ’n uair a rinn e [TD 88] suas inntinn (ni nach robh doirbh dhà a dheanamh), gu ’n robh i bòidheach, agus air cluinntinn dha o dhaoin’ éile gu ’n robh i ’na h-ighinn ghlic mhodhail, mhàlda, math air obair-fearainn is obair-tighe—oir bha banas-tighe Màiri ann am beul gach darna duine ’san sgìreachd—bhreithnich e nach robh té eile air an t-saoghal a bha cho freagarrach mar bhean-tighe do Dhonnacha Stiùbhart a’ Bhlair-dhuibh ri Mairi Chaimbeul, a bhana-charaid féin. Ach an gabhadh Màiri e? Cha do chuir so smuairean riamh air, agus cha b’ e a bhòichead no a mhaise fein a bha ’g a dheanamh cho cinnteach a laimh Màiri, oir, a dh’ìnnseadh na fìrinn—’s bha fios aige fhéin air a so—cha b’ ann de na bu bhòidhiche e. Bha e ’na dhuine glas, peirceallach, le beul mòr farsuing; a thuilleadh air a so bha a chiabhagan is fhiasag air liathadh, a’ leigeil ris gu ’n robh e gu math na bu shine na Mairi bochd. Ach ciod an stàth! Nach robh am pailteas airgid aige; ’s nach e sin na h-uile nì ’san t-saoghal neònach a th’ ann! Nach lìonmhor nigheanag bhòidheach aig a bheil cridhe trom, ’s na ’n cluinnteadh ri ceòl i, ’s e so an cronan a bhiodh aice a ghnàth ’s gun tàmh— Ho ró, cha ’n ’eil cadal orm! Cha ’n eil m’ air’ air sòlas; Mo chùl-thaobh ri ceòl-gàire O’n là ’chaidh mo phòsadh Ri seann fhear ged ghabh mi e. [TD 89] Bha m’ athair is mo mhàthair, ’S mo chàirdean uile deònach Mo phòsadh ris an t-seann-fhear, O’n bha mi gann de stòras. Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm! ’S e ’n t-òr a thug an car asam; ’S e ’n seann-fhear rinn mo bhuaireadh; ’S e ’m pòsadh rinn mo shàruch’, ’S tha bhlàth sud air mo ghruaidh-se. Ho ró, cha ’n ’eil cadal orm! Feumar ìnnseadh gu ’n robh té eile mu ’n bhaile bha cumail sùl bhioraich air Donnacha ’s air Màiri. B’ i so piuthar do Mhàiri d’ am b’ ainm Peigi a bha gu math na bu shine na Mairi. Bha i ’na dluth choimhearsnach do Dhonnacha Stiubhart agus theireadh na cailleachan fiosrach a bha mu na dorsan gu ’n robh a cridhe ’n geall air a caraid; ach b’ e ’n onair gu ’m b’ urrainn di càirdeas a thagradh ri duine cho ard ann an inbh, ’s cha b’ e ’n gaol a bha toirt air Peigi Chaimbeul a bhi cho deigheil air cuideachd a fir-chinnidh. Cha ’n abair mi nach faodadh an creutair bochd a bhi deanamh a dichioll a thoirt air Fear-a’-Bhlàir-dhuibh a thuigsinn, ma bha bean dheanadach ghlic a dhìth air, nach ruigeadh e leas dol fada bho na dorsan air a son. Cha b’ e nach robh i làn thoilichte fuireach le a’ màthair a chumail na croité ann an òrdugh. Feumar aideachadh gu ’n robh Fear-a’-Bhlair-dhuibh a cumail a shùl air a bhana-charaid agus [TD 90] ag ràdh ris fhéin gu ’n cumadh e stigh air Peigi, ’s gu ’m biodh i aige cùl a laimh na ’n tigeadh e nach soirbhicheadh leis ann an ceàrn’ eile, oir cha robh e glé chinnteach a laimh Màiri Chaimbeul a bhuidhinn, ged a bha e ann am beachd mur pòsadh i air son gaoil e, gu ’m pòsadh i e air son a sporain. Chaidh Donnacha Stiubhart an taobh a bha bean a’ mhinisteir agus dh’ innis e dhi ciod a bha air ’inntinn. Bha ise ro thoilichte a thuigsinn gu ’n robh a leithid de mheas air Màiri agus gu ’n robh brath aice air fear-pòsaidh ’fhaotainn; oir cha chual i facal riamh mu na naigheachdan a bha ’dol a measg nan seirbheiseach eile mu Dhòmhnull cìobair agus Màiri. ’N uair a dh’ fhalbh Fear-a’-Bhlair-dhuibh, ghairm i Mairi a leth-taobh agus chuir i an gnothach gu réidh glan air a beulthaobh; ach chrom Màiri a ceann agus shlaod i a corragan gus an robh iad a’ cnacadh ’s an impis bristidh, ’s cha robh facal as an ceann ach—“Gu dearbh cha b’ urrainn di féin a ràdh; cha robh fhios ciod a thug air a leithid-se iarraidh agus—ciod air an t-saoghal a ni mise,” agus mar so dh’ fhàg i bean a’ mhinisteir anns an làn bheachd nach robh dad aice an aghaidh a’ ghnothaich. A thuilleadh air a so, có a thainig an rathad ach Peigi, a sheas a suas gu gaisgeil air taobh Fir-a’-Bhlair-dhuibh—bha i ’n dòchas nach biodh a piuthar cho gòrach ’s gu ’n cuireadh i cùl ri fear cho cliùiteach ris an Stiùbhartach! An robh i dol a thoirt tàmailt oirre féin ’s air an teaghlach d’ am buineadh i le a fear-cinnidh a [TD 91] dhiùltadh! Bha Màiri cho sèimh ’na nàdur ’s gu ’n do lùb i mar shlataig sheilich fo thagradh Peigi. Bheireadh i an saoghal air son gu ’m b’ urrainn i a ràdh gu ’n do gheall i a làmh ’s a cridhe do Dhòmhnull ciobair. Ach ciod an stàth! An iarradh esan i? Bha i tuille ’s toigheach air gu a leithid de cheist mhi-mhodhail ’fheòraich dheth; ach bha iongantas mór oirre nach robh e a’ tighinn g’ a cuideachadh ann an àm a teinn. An robh fios aige mar a bha cùisean a’ dol? An robh amharus aige? Bha an cìobair bochd air a chumail ann an aineolas air gach nì, agus ’n uair a thubhairt an sgalag ris gu ’n robh amharus air nach robh cùisean mar bu mhath leis, thug e cheann fodha; fhuair leann-dubh buaidh air; chaill e a mhisneach; bha e ’na fhogarach bochd feadh nam beann ’s nan gleann ré an latha, agus cha robh facal á cheann ’n uair a thigeadh e dhachaidh anns an fheasgar. Bha e seachnadh Mairi cho math ’s a b’ urrainn da; agus aon oidhche chaill e mhothachadh gu leir is bha e air a chur chuige cho mór ’s gu ’n do thionndaidh e gu crosda air Màiri, ’s rinn Peigi, le a teanga mhìn, gnothaichean a chur ann a leithid de dhòigh ’s gu ’n robh e air a shocrachadh an ath-latha gu ’n robh Mairi ag aontachadh a làmh a thoirt do Dhonnacha Stiubhart. Bha an sgeul air a chumail uaigneach. Cha ghabhadh Peigi diog oirre agus cha ’n abradh Mairi bhochd facal. Bha Donnacha seòlta gu leòir [TD 92] a theanga ’chumail; agus dh’ fhalbh e dhachaidh a chur gnothaichean air dòigh fa chomhair latha na bainnse, a chaidh a shocrachadh mu ’n d’ fhàg e. Thòisich am ministeir ’s a bhean air comh-ghairdeachas a dheanamh le Màiri, ach cha robh moran sunnd gairdeachais oirre. Chaidh Domhnull cìobair do’n mhonadh le chuid chon mar a b’àbhaist, ’s ’n uair thàinig e dhachaidh ’s an fheasgar ghabh e an t-òran a b’ fheàrr a bh’ aige, ach sguir an dannsa. Air Di-dòmhnaich cha robh e fhéin agus Mairi ri fhaicinn a’ tighinn le cheile ás a’ chlachan. Thoisich na seirbheisich eile air an aire a thoirt dha so, agus theireadh iad gu ’n robh ni-éigin ceàrr, ach cha robh de dhànachd aig a h-aon diubh na theireadh ri h-aon de ’n dithis aon fhacal mu ’n chùis. Cha robh nígheanagan dèanadach glic a’ mhinisteir fada a’ deanamh éideadh-phosaidh Màirì oir bha bàigh mhór aca dhi, agus chaidh iad mu ’n ghnothach gu h-aotrom fonnmhor. A dh’ aona bheum thàinig na nigheanagan uile de ’n bheachd nach robh gaol aig Màiri air Donnacha Stiubhart. Cha robh i gabhail móran tlachd anns a’ ghùn-phòsaidh, agus bha i dol ann an ceann gach gnothaich a bhuineadh do ’n phòsadh le cridhe trom. Mu dheireadh ghabh iad an dànadas ’fheòraich dhi an robh nì eadar i fhein agus an cìobair donn, ’n uair a bha cho beag saod is sunnd oirre ri ’fear-cinnidh; ach cha ’n aideachadh Mairi aon nì no nì eile. Theireadh i gu ’n deanamh i na bha [TD 93] ceart; shuathadh i a sùilean le a h-apran, ’s dh’ fhàgadh i an seòmar. Bha ceò trom dubhach a’ laidhe air a’ bhanais so; cha robh fonn bainnse air neach; bha gach h-aon a’ gabhail sgàtha mu ’n ghnothuch. Carson nach robh Domhnull cìobair a’ tighinn mar ghaisgeach air aghaidh agus ag aideachadh a ghaoil do Mhairi, agus ’g a tarruing ás a chruaidh-chàs so? Tha a cridhe uaibhreach a’ bristeadh, ach tha e am beachd gu bheil e tuille ’s fada gun tighinn air aghaidh; agus mar so tha e ’na ghiùgaire bochd gun smid ás a cheann. Carson nach diùlt Màiri an Stiùbhartach ’s nach lean i ris a’ chìobair? Tha a cridhe gaolach an impis sgàineadh, oir tha i ’faicinn gu bheil gaol a cridhe, an ciobair donn, an déigh fàs suarach uimpe. Tha i ’m beachd gu ’m bu chòir dha a h-iarraidh roimhe so, no gu ’m bu chòir dha ’nis iarraidh oirre teicheadh leis, agus dh’ fhalbhadh i r’ a ghualainn gu togarrach thar muir is tìr—ach ciod an stàth? Tha iad le chéile a nis ’s a bheachd gu bheil iad tuille ’s fada ’s an tarruing anns an nì so agus gu bheil e ’n dàn di Donnacha Stiùbhart a phòsadh. Bha bràthair athar aig Màiri do ’m b’ ainm Calum Mor, aig an robh baile fearainn mu dhà mhìle bho thigh a’ mhinisteir, agus bha de mhoit air, nighean a bhràthar a bhi pòsadh duine cho ard-inbheach agus measail ri Fear-a’-Bhlàir-dhuibh nach deanadh nì feum leis ach gu ’n rachadh am pòsadh anns an tigh aige-san, Chaidh cuireadh a thoirt do chuideachd mhoir—mu fhichead de ’n [TD 94] tuath a bha ’s an sgìreachd, am ministeir, ’s a theaghlach, an siorram agus a bhean, an doctair agus a h-aon no dhà eile. A thuilleadh air a so thàinig á Lochabar de chàirdean fir-na-bainnse, Alasdair Camaran as a’ Bhràighe, Gilleasbuig Og mac Dhomhnuill Ghlinn-Neibheis agus Lachunn, mac Lachuinn Oig na Ceapach. Cha ’n fhios dhomh ciamar a fhuair iad uile comas-gluasaid anns an tigh bheag aig Calum Mór. Coma co-dhiù, théid mise ’n urras gu ’n robh an tigh làn air latha na bainnse. Bha an iodhlainn làn chairtean agus charabadan de gach seòrsa a thug a’ chuideachd a dh’ ionnsaidh tigh-na-bainnse; agus air an leanaig uaine air beulthaobh an doruis bha na h-eich ag criomadh an fheòir uaine, agus déigheann air gach fear dhiu ’g a chumail á cron. Bha lomhainn chon ’a cur eòlas air a cheile—coin-chaorach is abhagan—a h-uile fear is earball ri athar ’s le thathunn àrd a’ feuchainn ri chur an céill nach robh air an leanaig na chuireadh eagal air. Bha na fir, a’ chuid a bu mhò dhiubh, air an sgeadachadh ann an clò molach Gaidhealach, ri conaltradh mu ’n dorus, a’ feitheamh uair na bainnse. Bha na mnathan-uaisle ’n an suidhe gu ciallach ’s an tigh, ’s iad air an sgeadachadh gu rìomhach le sìoda ’s le ribinean, agus aig a’ cheart am bha nigheanagan lùghor og cur féisde na bainnse an òrdugh; agus air m’ fhacal, b ’i sin an fhéisd! Théid mise ’n urras nach deachaidh cùis-mhagaidh a dheanamh de fhéisd na bainnse—pailteas feòla, iasg de gach [TD 95] seòrsa, buntàta pronn, ’s buntàta cnapach, sithionn gu leòir; agus chaidh amhach gach darna circ a bh’ air an iris a tharruing, gus an robh na bùird air chrith air an casan leis an lòd a bh’ orra de gach gne ithinnich. Bha fear-na-bainnse air a sgeadachadh gu rìomhach ann am féile preasach de bhreacan nan Stiùbhartach, le léine chaol air an robh pailteas de ghrinneas-uchd; agus ’n uair chìteadh e air ais ’s air aghaidh, bha e cho coltach ri coileach Frangach ’s a chunnaic duine riamh. Bha gach ni a nis làn deas, ach c’ àite ’n robh bean-na-bainnse? Bha sùil rithe aig ceitheir uairean agus bha e nis an déigh cóig. Bha e air a shocrachadh gu ’m fàgadh i tigh a’ mhinisteir fo churam Eoghain, mac Iain mhoir ’ic Alasdair. Bha a’ chuideachd a nis a’ fàs iomagaineach. Chaidh fios-cabhaig a chur air falbh a dh’ ionnsaidh tigh a’ mhinisteir ach ’s e ’m fios a thainig air ais gu ’n d’ fhàg Màiri an tigh aig dà uair, goirid an déigh luchd-na-bainnse. Chaidh an so gille-gnothaich eile chur air tòir fios, agus an àm dha ’bhi falbh chuir nighean a’ mhinisteir an cagar so ’n a chluais: “Feuch am fiosraich thu c’ àite bheil Dòmhnull cìobair.” An cionn ghreis thill am balach agus cha robh de sgeul aige ach gu ’n d’ fhag Màiri an tigh ann an cuideachd Eóghain trì uirean roimhe sud, agus a thaobh a’ chìobair bha esan ’na leaba gu tinn, air a shuaineadh gu teann anns na plaideachan agus aghaidh ris a’ bhalla. Thàinig gnothaichean a nis gu aona-cheann! Bha fear-na-bainnse riamh [TD 96] trom air an t-snaoisean, ach chaidh a’ bhochdainn uile air a nis, gus mu dheireadh nach d’ fhàg e falach-a’-mhàis ann an adharc a bha ’s a chuideachd. Bha Calum Mor a’ cur ri grìosadh agus a gnàthachadh cainnt nach robh idir taghte. Bha Peigi ann an staid a bha déisinneach r’ a fhaicinn. Mu dheireadh dh’ fhaisg i a làmhan agus thilg i i-féin air uachdar an aodaich a bh’ air leapa an t-seòmair mheadhoin. Bha a’ chuideachd uile troimh a chéile ’s chaidh gu cinnteach “an ceòl air feadh na fìdhle.” Dh’ fheòraich an Siorram ciod idir a ghabhadh deanamh. Chuir an Doctair air mhanadh gu ’n d’ rinn bean-na-bainnse as leatha féin. Bha amharus aig a’ mhinisteir ciod a bha ceàrr ach cha ’n abradh e móran. Mu dheireadh leum dà òganach air muin an dà eich a b’ fhearr a bh’ air an leanaig agus le gunna ’n an laimh—aig an Fhreasdal tha brath c’ ar son thug iad gunna leò—dh’ fhalbh iad an cabhaig mhóir rathad tigh a’ mhinisteir. Bha an t-eun sgàthach fada air falbh; ach cha robh fhios aig duine c’ áite; bha sin air a chumail glé uaigneach. Bha fios aig na h-uile nach robh dòigh air an sgìreachd fhàgail ach troimh ghleann caol, thar amhainn àraidh; agus a’ cumail so ’n an cuimhne chomh-dhùin na marcaichean gu ’n do thog Mairi oirre gu tigh a màthar, agus as a déigh ghabh iad. Anns an eadar-àm chuir luchd-na-bainnse a’ chuach mu ’n cuairt agus thug an òigridh air a’ phìobaire puirt-dhannsaidh a chluich agus chaidh [TD 97] iad ris an dannsadh gu cridheil aotrom. An uair a bha an òigridh a’ toirt caitein air an ùrlar a’ dol troimh “Ruidhle Thulachain,” bha na bodaich ’s na cailleachan ann an oisinn uaignich ag òl air a cheile, ag guidhe “barrachd eòlais” air bean-na-bainnse, agus a’ feuchainn ri misneach fir-na-bainnse a chumail suas. B’ i Peigi an t-aon té nach gabhadh saodachadh. Bha an oidhche ’dol seachad ach cha robh guth air bean-na-bainnse. Thòisich na mnathan air meunanaich, agus bha a’ chuideachd uile ann an imcheist c’ àite ’n cuireadh iad an ceann fodhpa gu maduinn. Cha ’n ’eil fios no forbhais agamsa ciamar a chaidh an cur a laidhe; ach ’s e mo bheachd gu ’n robh “leabaidh mhór na h-àiridh” anns an t-sabhall air an oidhche sin. An uair a mharcaich an dà òganach a chaidh air toir Màiri bhochd, mu fhichead mìle, thàinig iad mu chiaradh an fheasgair gu tigh-òsda geal a bha ann an ceann shuas a’ ghlinne; agus air doibh a bhi fuar, fliuch agus sgìth, rinn iad a suas an inntinn nach rachadh iad ni b’ fhaide an oidhche sin. ’N uair a chaidh iad g’ an garadh aig an téine chunnaic iad badan aodaich ’g an tioramachadh, agus ’n am measg, bog fliuch, currac riomhach le ribinean dearg. Air dhaibh fharraid cò bu leis an t-aodach, chaidh ìnnseadh dhaibh gu ’m buineadh iad do mhaighdinn oig a thàinig an rathad fo churam Eóghain oig, mac Iain-’ic-Alasdair, ’s gu ’n do thill Eóghan dhachaidh, a’ gabhail an rathaid chùil. Bha iad a’ tuigsinn gu ’n robh an nigheanag [TD 98] àluinn air a rathad a dh’ ionnsaidh a càirdean mu Bhraighe Lochabar, ach cha robh fios aca cia a b’ ainm dhi. Thuig na seòid a bha air tòir Màiri bhochd gu ’n robh an t-eun anns an riob, ach cha do chum so iad gun tòiseachadh air a càineadh, agus air ìnnseadh dhi gu ’m feumadh i dol leò anns a’ mhadainn agus Donnacha Stiùbhart a phòsadh. Cha do fhreagair Màiri bhochd facal, ach sheall i orra mar gu ’m b’ ann am bruadar. Moch air madainn chaidh Màiri chur air cùl-thaobh a h-aon de na marcaichean agus thog iad uile orra gu tigh a’ mhinisteir, oir dh’ iarr Màiri am ministeir ’fhaicinn mu ’n rachadh i gu tigh-na-bainnse. B’ e sin an latha ann an tigh a’ mhinisteir! Cha robh Domhnull Cìobair no Eóghan Mac Alasdair ri fhaotainn! ’N uair a chaidh Màiri a stigh ann an làthair a’ mhinisteir ’s a chaidh an dorus a dhùnadh, thuit i air a dà ghlùn; leag i a ceann air a ghlùinean agus ghuil i gu goirt. Chiùinich am ministeir i agus dh’ iarr e oirre a cridhe ’fhosgladh dha. Nach robh gaol aice air an Stiùbhartach? Nach robh toil aice a phòsadh? “Toil agam a phòsadh,” arsa Màiri ’s i ’g éirigh air a casan agus ’g a cur féin ann an cruth a chuir eagal air a mhinisteir chòir, “b’ fheàrr leam a bhi air mo cheangal ri creig aig isle mara agus laidhe ann an sin gus am bàthadh an làn mi na ’n duine sin a phòsadh.” “Ma ta, a Mhàiri,” ars’ am ministeir, ’s e cur a laimh air a gualainn, “cha téid do phòsadh leam-sa no le fear eile an aghaidh do [TD 99] thoil ri duine ’tha ’s an t-saoghal.” “Mìle beannachd air bhur ceann, a dhuine chòir,” thuirt Màiri, “’s i pogadh a laimh gu gaolach.” Chuala Donnacha Stiùbhart, fear-na-bainnse, an sgeul agus ’s e cheud fhacal a thàinig as a cheann: “Ciod air thalamh a nì sinn ris a’ chuirm?” Thòisich e an sin ri bruidhinn ri a chàirdean a thàinig a Lochabar, agus cha robh sean fhacal freagarrach no mi-fhreagarrach a bha ’n a chlaigeann nach do bhruchd e ’mach; mar a bha. “Tha iasg anns a’ mhuir fhathast cho math ’s a thàinig as,”—“An té nach gabh na coisichean cha ’n fhaigh i na marcaichean.” ’S ann a bha e ’gabhail truais de thé ’s am bith a bha cho gòrach ’s gu ’n diùltadh i Fear-a-Bhlàir-dhuibh. Ach cha deachaidh a’ cheisd—“Ciod a ni sinn ris an fhéisd?” a fhreagairt fhathast. Mu dheireadh thall thug brathair-athar Màiri oidhirp air a’ cheisd chudtromach so a fhreagairt. Thug e an Stiùbhartach a leth-taobh agus bha iad car ùine gheàrr a’ bruidhinn; agus ciod a thàinig as a’ chùis ach gu ’n do chuir Fear-a’-Bhlàir-dhuibh fios air Peigi, piuthar Màiri. Ann am beagan ùine chòrd iad mu chùisean agus, mar a thuirt Peigi féin e—“a chumail suas urram an teaghlaich do ’m buineadh i,” thug i a làmh do Dhonnacha Stiùbhart; bha iad air an gairm air an ath Shàbaid anns an eaglais; chaidh am pòsadh air Di-luain, agus mar so cha deachaidh “urram an teaghlaich” no féisd-na-bainnse a leigeil a dholaidh. Ach ciod a thachair do Mhàiri bhochd? [TD 100] Chuir sinn a’ cheist—“Ciod a thachair do Mhàiri bhochd?” agus feumaidh sinn a freagairt. Gun ghuth mór, gun droch fhacal tharruing i féin agus Domhnull ciobair r’ a chéile; ’s mu ’n d’ fhuair Peigi, a piuthar, mìos-nam-pòg seachad le Fear-a’-Bhlàir-dhuibh, bha Màiri pòsda ri a ceud ghràdh, an cìobair donn. Ciod air bith a thàinig ’s an rathad cha ’n aithne dhomh, ach, coma leat na có dhiù, chaidh an cìobair do ’n arm ’s chaidh Màiri leis do ’n Fhraing; ach b’ fheudar dhithse tilleadh dhachaidh an uine ghoirid. Rinn i a rathad do thigh a’ mhinisteir, ’s b’ e beatha sin a dhèanamh. Bha i ’n seilbh air cho math ri trì fichead punnd Sasunnach, a chaomhain i féin agus Dòmhnull, a dh’ fheitheamh air “latha na coise briste,” ’s bha leatha a thuilleadh air a so caileag bheag bhòidheach—ìomhaigh a mathar agus rùn a cridhe ’s a gaoil. Ghabh am ministeir còir cùram de ’n airgiod; fhuair Màiri a seann àite, ’s bha gach neach ’s gach ni ’s an tigh mar a bha iad mu ’n do phòs i, ach, a mhain, gu ’n robh an cìobar donn ’g a dìth. Cha robh neach o ’n d’ fhuair i fàilte ’s furan mar a fhuair i o Eoghan Mac Alasdair, a bha dìleas dhi ’n a cruaidh-chàs, ’s a bu fhleasgach air a banais. A dhuine, dhuine, ’s ann aig Màiri a bha r’ a ìnnseadh! Cha robh feasgar nach biodh an tigh làn de dhaoine ag éisdeachd ris na sgeulachdan a b’ urrainn di aithris; ’s bha gach feasgar a’ dol seachad mar a b’ àbhaist dhaibh anns an àm ’s an do thòisich mo sgeul, [TD 101] ach gu ’n robh ionndrainn air a’ chìobair dhonn le ’dhuanagan gaolach. Cha d’ fhuair Dòmhnull a bheag de chothrom air an sgoil agus theagamh gu ’m b’ e so a b’ aobhar nach robh e cho cuimhneachail air sgrìobhadh ’s a bu choir dha. Coma co dhiu, chaidh dà bhliadna chianail seachad o ’n a thill Màiri, ’s cha robh fios no forbhais air Domhnull. Thòisich leann-dubh air buaidh fhaotainn air Màiri bhochd. Bha a ceann a’ liathadh ’s a ciabhagan a’ tanachadh; dh’ fhalbh an rudha ’bha ’n a gruaidhean ’s bha i fàs glas-neulach fann. Cha robh paipeir-naigheachd nach do sheall am ministeir—gu sònraichte an déigh cath—an dùil gu ’m faiceadh e ainm Dhòmhnuill a measg na chaidh a leònadh no mharbhadh. Chuir e fios uair no dhà a dh’ ionnsaidh Ard-cheannaird an airm dh’ fheuch am bu bheò Dòmhnull, ’s ged a fhuair e litir no dhà air ais agus plàsda de chéir dheirg air gach te dhiu cho mòr ri m’ bhois, cha robh an sgeul mu Dhòmhnull ach gu math cutach “bha e beò slàn.” Mu dheireadh chualas gu ’n do phòs e bean eile. ’S e saighdear a bhuineadh do ’n aon reisimeid ri Dòmhnull, a thuit a bhi dol troimh ’n sgìreach, ’s e air fòrlach, a dh’ aithris an sgeul so ann an Tigh-an-Eilein. Thàinig an sgeul gu cluasan Màiri, agus o ’n a bha i làn-chinnteach ’n a beachd féin nach robh ann ach sgleò bhreug, cha do ghabh i oirre gu ’n cual i e. A dh’ aindeoin so bha e toirt a cridhe aisde; bha a gruaidhean gun tuar; ’s i fàs gach latha glas-neulach ’s gun sunnd, [TD 102] agus chunnaic a’ chaileag bhuachaille uair no dhà na deòir a’ ruith á sùilean ’n uair a bha i cireadh cinn a h-’ighinn, no ’g a cur a chadal ’s an oidhche. Cha robh duine stigh nach robh a’ giùlan a chuid féin de dh’ uallach Màiri bhochd, agus is iomadh ùrnuigh dhúrachdach a chuir a ministeir cneasda a suas air a son, agus cha robh dòigh anns nach d’ fheuch e ri a neartachadh fa chomhair na bha i fulang. Cha do ghearain Màiri riamh, ni mò dh’ iarr i an truas; bha i gu ciùin, stòlda a’ giùlan a h-eallaich gun dragh a chur air neach. Bha i dìcheallach dèanadach mar a b’ àbhaist, ach cha chluinnteadh a guth binn an séisd nan òran, ’s iad ’g an seinn ’s an oidhche fhada gheamhraidh. B’ e a miann a bhi gu tric an cuideachd Eóghain ’ic Alasdair, agus b’ e a b’ aon fhear comhairle aice. Bha cóig bliadhna a nis air ruith o ’n a thill Màiri, agus bha gach latha a’ leigeil ris gu ’n robh i air tuiteam ann am fior dhroch shlàinte. Latha bha sin, mu dheireadh an t-samhraidh, ’s iad a deanamh na cruaich-fheòir, leig Màiri i-féin a sìos, a measg an fheòir chaoin a ghabhail a h-analach. Air a’ chruaich bha gillean is nigheanan gu sunndach, iollagach ag obair fo stiùireadh Eóghain ’ic Alasdair. Stad Eóghan tiota, agus a’ cur a làmh ri a bhathais sheall e car ghreis air coigreach le màileid air a ghualainn, a bha a’ deanamh a rathaid a dh’ ionnsaidh tigh a’ mhinisteir. Mu dheireadh, ars’ esan, “Mur ’eil mo shùilean ’g am mhealladh, ’s ma ’s beò Domhnull Mac ’Illeathain, ’s e tha sin.” [TD 103] Thionndaidh gach sùil an taobh a bha ’n coigreach a bha nis glé dhlùth air tigh a’ mhinisteir. “Cha ’n ’eil ann ach marsanta-rathaid,” arsa Ceit Ruadh. “Tha e glé choltach ri Dòmhnull,” arsa Seonaid Bhàn. “Is e th’ ann gu ’n teagamh,” arsa Eóghan Mac Alasdair, ’s e toirt duibh-leum bhàrr na cruaiche agus a’ ruith an taobh a bha Màiri a bha ’na leth-chadal am measg an fheòir. Rug e air laimh oirre, thog e suas i, agus a’ cur a dhà laimh m’ a muineal, phòg e i. An sin shiab e deur o ’shùil agus thubhairt e—“Dia ’g ar cuideachadh! ’s feàrr so na mìle bonn de ’n òr!” Bha Màiri ann an imcheist ciod idir a bu chiall d’ a so uile ’n uair a shlaod Eóghan i mu ’n cuairt gu taobh eile na cruaiche far an do thachair i air a céile, a bha cho fada ’g a dìth. Ruith i ’g a ionnsaidh agus chuir i a dà laimh m’ a mhuineal gus an do theab i a thacadh, agus phaisg esan ise r’ a bhroilleach blàth gu teann. B’ e sin am feasgar an tigh a’ mhinisteir! ’S ann aig Dòmhnull a bha r’ a innseadh! Bha seud-gaisge air cumadh rionnaig air a bhroilleach, agus bha duais-thapadh ri bhi aige ré a bheatha. Dh’ fhuirich e fhein agus Màiri car mìos no dhà ann an tigh a’ mhinisteir agus bha na duanagan ’s na h-òrain ri chluinntinn mar anns na làithean a dh’ fhalbh. An oidhche mu ’n d’ fhàg iad cha deanadh ni feum le Dòmhnull ach “Ruidhle Thulachain” le Màiri, a dh’ aindeòin na coise crubaich, agus feala-dhà a nighinn. [TD 104] Cha ’n ’eil a mhiann orm Dòmhnull agus Màiri a leantainn a bheag ni ’s fhaide. ’S leòir a ràdh gu ’n deachaidh iad do Ghlaschu far an do chaochail Dòmhnull, gu ’n do phòs a nighean, ach nach robh i idir sona, ’s gu ’n robh Màiri a’ strith gu dìcheallach gu i-féin a chumail gu pongail anns a’ bhaile mhór. ’Nuair a bha i dlùth air ceithir fichead bliadhna dh’ aois chaidh i air turas do chill na sgìreachd anns an robh a céile ’na laidhe. ’N uair a thill i dh’ fheòraich mi fhéin di, “Am bheil aithreachas oirbh gu ’n do phòs sibh e, ’s gu’n do dhiùlt sibh Donnacha Stiùbhart?” “Aithreachas!” ars’ ise, ’s a seann aodann grinn a’ lasadh mar le gathan gréine; “rachainn troimhe uile a rithis air son an fhleasgaich urramaich!” [TD 105] COGADH A’ PHRIONNSA. I. Laithean Oige Theàrlaich. ANNS a’ bhliadhna 1736 bha baile Gaeta, ann an rìoghachd Naples, a bha fo ghleidheil an airm Austrianaich, air a shéisdeadh le arm air a dheanamh a suas de Fhrangaich, Spainntich agus Eadaltaich, fo chomannda Diùc Leria. Bha Don Carlos, prionnsa Spainnteach, a’ deanamh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn e, le cuideachadh an airm so, chum rìoghachd Naples a bhuidhinn dha fhéin. Cha ’n ’eil rìoghachd Naples a nis ann; cha ’n ’eil arm Austrianach anns an Eadailt, agus gu cinnteach cha ’n ’eil ann am feachdan na Roinn-Eòrpa oifhichear coltach ris-san a bha cogadh fo stiùireadh Diùc Leria. Bha an t-oifhichear so, a bha ann an éideadh grinn buidheann nan gunnacha móra, ’na ghille seang mu thrì bliadhn’ deug a dh’ aois, le suilean bòidheach gorm, agus cuailean òr-bhuidhe. Bha an giullan so mar gu ’m biodh tlachd aige ann a bhi ’g éisdeachd ri fuaim nam peileirean a bha feadalaich m’ an cluasan. ’N uair a chaidh cairtealan Dhiùc Leria a chur ri theine le cóig peileirean a beul gunna mhoir, chunnaic daoine an t-oifhichear og so a’ dol a stigh do ’n fhàrdaich agus ghrios an Diùc [TD 106] air an tigh ’fhàgail ged nach d’ ordaich e mach e. Dh’ fhaodadh tu an giullan so a chluinntinn a’ glaodhaich ris gach buidheann fa leth de ’n reisimeid ’n an cànain fhéin. B’ esan da-rìreadh annsachd a’ champa agus roghainn nan saighdearan. B’ e n giullan bòidheach so gun tioma. Teàrlach Eideard Stiùbhart, a b’ aithne d’ a chairdean mar “Phrionnsa na Cuimridh,” ’s air an do labhair am bard mar so— “A Theàrlaich mhic Sheumais, Mhic Sheumais mhic Theàrlaich.” B’ esan da-rìreadh am mac a bu shine aig Seumas a h-ochd righ Albann agus Shasuinn. B’ e Seumas mac righ Sheumais, ’s cha robh ann ach an leanabh ’sa bhliadhna 1688 ’n uair a b’ fheudar d’a athair teicheadh a Sasunn. Thogadh e ann an Sasunn agus bha e cogadh an aghaidh an airm Bhreatannaich ’s an Fhlannradh. Thàinig e nall a dh’ Albainn air tòir a’ chrùin, ’sa bhliadhna 1715, ach cha d’ eirich leis, ’s b’ fheudar dha tilleadh air ais; agus rè moran bhliadhnachan bha e chòmhnaidh anns ann Roimh, mar aoidh aig a’ Phàpa. Cha robh ann an Seumas ach prionnsa mi-fhortanach, ach tha e ri mholadh a chionn nach atharraicheadh e a chreud a bhuidhinn crùin. Bha e daonnan dìleas do dh’ eaglais na Roimhe, agus mi-shealbhach o làithean òige. Cha b’ esan an duine a bhuidhinn air ais a rìoghachd le neart a’ chlaidheimh! Phos e bean, bana-phrionnsa á teaghlach Shobieski, agus ann am baile Gaeta [TD 107] bha a mhac, Teàrlach, ged nach robh ann ach an giullan, a’ nochdadh gu ’n robh aige misneach muinntir a mhathar agus àgh nan Stiùbhartach; agus chaidh a ràdh anns an am gu ’n robh an giullan so na bu chunnartaiche do Bhreatunn na athair—Righ Seumas. ’N uair a bha Teàrlach aig Gaeta ag ionnsachadh an ealain air cogadh, agus a’ cumail a charaid, Diùc Leria, fo bhruaillean, bha a bhrathair aig an tigh anns an Roimh; agus ged nach robh e ach naoi bhliadhna dh’ aois bha e cho diombach r’ a phàrantan a chionn nach d’ fhuair esan air falbh le Teàrlach, gu ’n do thilg e a chlaidheamh beag bhuaidh gu feargach. Bho ’n a dh’ fhàg iad a chreathall cha chuala na balachain sin ni ach mu ghlòir an sinnsir; agus b’ e aisling am beatha a bhi air an aiseag do ’n dùthaich fhéin. Cha robh ni ris an cuireadh Teàrlach a laimh nach robh an smuain so ’s an amharc aige. Air an turus-cuain o Ghaeta gu Naples, ’s e g amharc thar taobh na luinge, thuit a bhoineid anns a’ chuan; ’n uair a bha iad dol a leigeil sìos a’ bhàta ach am beireadh iad orra mu ’n rachadh i fodha, stad Teàrlach iad, ag ràdh le aoidh, nach b’ fhada gus an rachadh e do Bhreatunn a cheannach té ùir. Ré an ath-bhliadhna no dhà an deigh so bha Teàrlach anns an Roimh. Bha gach fòghlum, ’s gach cluich air an taghadh chum esan ’ullachadh air son na h-àird-inbhe a bha air thoiseach air ’n uair a thigeadh e gu rìoghachd fein. Dh’ ionnsaich e [TD 108] iomram air loch Albano, agus bha e gu tric a’ sealg anns na monaidhean. B’ abhaist dha dol astar air allaban ’s gun air ach brogan cas-rùisgte gu e fein fhàgail cruadalach ’n uair a thigeadh e do Ghaidhealtachd na h-Alba. Bha e toigheach air an t-seilg, agus bha e robh dheigheil air seòrsa camanachd ris an abrar golf—cluich air an robh a shinnsearachd gle eòlach ann an Cill-rìbhinn agus air leanagan baile Pheairt. Cha robh Teàrlach òg ro dhéigheil air fòghlum; b’ fhearr leis am monadh-seilg na ’n sgoil, agus bha e na bu teòma leis a’ chlaidheamh na bha e leis a’ pheann. Ann an ionadan diomhair ’s an Roimh ’s tric a chìteadh an giullan beothail bòidheach so agus athair trom-chridheach a’ còmhradh gu dùrachdach mu ’n oidheirp air crùn an athraichean a bhuidhinn air ais. Ma bha Teàrlach gu tric a’ smaointeachadh air Breatunn bu lionmhor iad anns an dùthaich sin a bha smaointeachadh air-san agus a’ guidhe soirbheachadh dha. Ann an Sasunn ann an iomadh tigh mor bha tighearnan fearuinn agus ministeirean gu tric ag òl deoch-slàinte an Righ a bha thar a’ chuain. Ann an Sasunn ged a bha gaol-duthchas aca air na Stiùbhartaich Rioghail, cha robh an gaol laidir gu leòir gu toirt orra am beatha chur an cunnart airson an teaglaich sin. Ann an Albainn bha chùis air dhòigh eile. B’ iad na Stiùbhartaich an seann teaghlach rioghail. ’N uair a thachair dhaibh a bhi mi-fhortanach agus a chaidh an cur [TD 109] as an rathad, dhi-chuimhnich sluagh na h-Alba an ain-tighearnas, agus bhlàthaich an cridheachan riutha ’n an teinn ’s ’n am mi-fhortain. Aig am an Aonachaidh (1707) dh’ fhuiling uaill nan Albannach buille ghoirt; chunnaic na daoine mora nach robh am meas orra a nis a bha orra anns na laithean a dh’ fhalbh, agus bha an sluagh a’ breabadh an aghaidh nan cìsean ura a bha air an leagail orra. Ged a bha an luchd-malairt an cumantas air taobh an teaghlaich a bha air an rìgh-chathair, bha na h-Easbuigich agus na Pàpanaich agus mor-shluagh Dhùin-Eideann an geall air na seann Stiùbhartaich a thoirt air ais. Bha am fuath do ’n teaghlach rioghail, agus an gaol do na seana Stiùbhartaich ro laidir anns a’ Ghàidhealtachd am measg nam fineachan. Bha so gu sònraichte ri fhaotainn ann an teaghlaichean mar a bha Camronaich Loch-iall, Clann Donnachaidh, na Stiùbhartaich, agus moran eile. Ann an iomadh bothan iosal is fardaich ghreannaich bha seana-chlaidheamhan agus musgaidean meirgeach air an ceiltinn bho shuilean biorach nan saighdearan Sasunnach, a’ feitheamh an latha sin anns an tigeadh Righ nan Gàidheal a thagradh a chòir. Anns a’ bhliadhna 1744 thàinig an là sin ris an robh Teàrlach òg ag amharc re a bheatha. Bha an Fhraing a’ cogadh an aghaidh Shasuinn, agus aig an am so a’ cur an òrdugh air son ionnsaidh naimhdeil a thoirt air an duthaich sin, agus air an aobhar sin cha robh iad leisg gu cuideachadh a [TD 110] ghabhail bho na Stiùbhartaich gu an nàmhaid a shàrachadh. Bha cabhlach deas gu seòladh, agus chaidh Teàrlach, ’s e làn misnich, air bòrd, ach thuig ceannard cabhlach Shasuinn mar a bha cuisean a’ seasamh agus chum e sùil orra. Dh’ eirich gaillionn mhor a rinn a’ bhochdainn air a’ chabhlach Fhrangach agus leig iad dhiu seòladh aig an am ud. Bha so ’na bhriste-cridhe do Theàrlach agus ’s ann a bha e toileach seòladh ann am bàt-iasgaich do dh’ Albainn; ach cha ’n eisdeadh ’athair no a dhlùth-chàirdean ri facal mu ’n chùis, agus bha Teàrlach fo mhi-ghean a chionn nach fhaodadh e seòladh. Chunnaic Teàrlach gu leòir de dhoighean mairnealach chùirtearan, agus bha e nis an geall air a’ bhuille a bhualadh air a shon fhéin. Ann am Paris, priomh-bhaile na Frainge, bha e air a chuartachadh le seoid luaineach coltach ris fhéin—Albannaich agus Eirionnaich ann an seirbheis na Frainge agus fògaraich fo bhristeadh-cridhe, mar a bha seann Thulach-bhàrdainn, an geall air cothrom air bith gu faotainn air ais do ’n tir fein. Bha eadhoin daoine toinisgeil ag aontachadh le Teàrlach agus a’ toirt misnich dha. Fhuair e ann an coingheall suim mhor airgid a cheannach ghunnachan; agus ghabh dà Albannach a bha ’nam marsantan ann an Nantes os laimh fhaicinn sàbhailte ann an Albainn. Fhuair fear dhiu soitheach a bha giùlan ochd gunnacha deug, do ’m b’ ainm an Doutelle, chum aiseig, agus fhuair am fear eile long-chogaidh do m b’ ainm an [TD 111] Elizabeth a sheòladh teann air an Doutelle, le luchd de ghunnachan, luaidh is fùdar. Dhealaich Teàrlach ri sheudan luachmhor a cheannach airm chogaidh. Air an darna-là-fichead de ’n òg mhios sheòl e mach a beul abhainn Loire, gu h-uaigneach cabhagach. Bha leis air bòrd seann Thulach-bhàrdainn, a bha mach ann an cogadh 1715, agus a chaill ’oighreachd air a thàilleamh sin, a chàraid ’s fhear teagaisg, an ridire Tòmas Seridan, Eirionnach air bheag toinisg, dà Eirionnach eile a bha greis ann an arm na Frainge, ministear òg Sasunnach d’ am b’ ainm Mac Ceallaich, agus Aonghas Dòmhnullach a bha ’na bhancair ann am Paris, bràthair do dh’ Fhear Cheann-Locha-Mùideart, gille òg tapaidh a bha air a riobadh ann an aobhar a’ Phrionnsa mu ’n robh fhios aige c’ àite ’n robh e. II. “Thàinig mo Rìgh air Tìr am Mùideart.” THUIT do ’n Fhraing agus do Shasunn a bhi cogadh mu ’n am so, agus air an aobhar sin bha ’n caol eadar Breatunn agus an Fhraing làn shoithichean cogaidh Sasunnach. Cha robh long a’ Phrionnsa, an Doutelle, agus an long eile a bha ’na long-seòladh, ceithear laithean o ’n Fhraing, ’n uair a thug long-chogaidh Shasunnach ionnsaidh air an Elizabeth. Leis gu ’n robh fios aig sgiobair an Doutelle có bh’ aige air bòrd, sheòl e air falbh [TD 112] ’s thug e ’n cuan-tuath air, a dh’ aindeoin iarrtuis a’ Phrionnsa e sheasamh an taice na luing eile. Dh’ fhàg an long Shasunach a leithid de dhìol air an Elizabeth gu ’m b’ fheudar dhi cur air a h-ais gu Brest, a’ toirt leatha an luchd ghunnachan is fhùdair a bha i ri thoirt a dh’ Albainn. Bha an Doutelle a’ seòladh ’s an oidhche gun leus ’na crann, ’s le bhi cumail fad’ o thìr chaidh aice air astar math a dheanamh a dh’ aindeoin co theireadh e. B’ e cheud fhearann a thog iad ceann deas an Eilein fhada. A’ sior amharc air Tìr a’ Gheallaidh thug seann Thulach-bhàrdainn an aire do dh’ iolaire mhoir a’ tighinn na coinneamh. “Tha mi,” ars’ esan ris a’ Phrionnsa, “a’ faicinn rìgh nan eun—am fior-eun—a’ tighinn ’nar coinneamh g’ ar fàilteachadh g’ ar dùthaich féin—da-rìreadh is math am manadh sin.” Bha feum aig Teàrlach bochd air gach deagh fhiosachd, oir ’nuair a chuir e chas air tìr an Albainn bha cùisean gu math duaichnidh. Bha e fhéin cho làn misnich agus cho earbsach gu ’n rachadh cùisean leis gu ’n do shaoil e nach bu ruith ach leum le sluagh na h-Alba dol g’ a fhàilteachadh ’n uair thigeadh e. Cha robh cairdean a bu dìlse riamh aig rìghrean na na Tighearnan Gallda ’s na Gaidheil chalma a lean na Stiùbhartaich; ach air a shon sin cha robh iad deas gu iad féin ’s an cuid a chur an cunnart ’n uair a bha fhios aca nach robh e comasach buaidh a thoirt a mach. Na ’n tainig am Prionnsa le còig mile saighdear Frangach is [TD 113] pailteas de dh’ òr ’s de dh’ armachd, dh’ eireadh iad leis a dh’ aona bheum ’s a dh’ aona bheachd; ach bha iad na bu ghlioca na eirigh gun dùil ri buaidh; oir bha fhios aca air neart luchd-riaghlaidh Shasuinn ’s nach robh ann ach faoineas dol ’nan aghaidh. B’e cheud fhear a chuir a’chùis so gu lom cothromach fa chomhair a’ Phrionnsa, MacDhòmhnuill Bhothasdail d’ an do chuir e teachdaireachd an gann a rainig an long Uibhist. Bu bhrathair Fear Bhothasdail do Mhac ’ic Ailein, triath Chlann Raonuill. Bha fhios aig Teàrlach mur seasadh na càirdean so r’ a thaobh, ’s mur eireadh iad gu togarrach nach robh ann ach faoineas dha dol air aghaidh. Ach air a shon sin uile rinn e suas inntinn, agus le misneach is dànachd òganach de ’n teaglach so, cha robh feum cur ’na aghaidh. Re ùine mhoir bha e fhéin is Fear Bhothasdail a’ deasbaireachd, ’s an long a’ seòladh gu sàmhach am measg nan eilean. Dh’ ainmich am Prionnsa na càirdean anns an robh earbsa aige ’nam measg; Dòmhnullach Shléibhte agus Mac Leòid Dhùnbheagain. “Mo chreach,” arsa Fear Bhothasdail, “tha iad le chéile air dol gus an taobh eile.” Mu ’n d’ fhàg e am Prionnsa dh’ earalaich e dha tilleadh “dhachaidh.” Thàinig mi dhachaidh,” arsa Teàrlach gu dùrachdach agus cha cluinn mi facal mu thilleadh. “Tha mi earbsach gu ’n seas na Gàidheil dhìleas, ghaisgeil ri m’ thaobh.” Air an naoidheamh-là-deug de mhìos deireannach an t-samhraidh leig an Doutelle a sìos a h-acair [TD 114] ann an Loch nan Uamh, ann an dùthaich nan Dòmhnullach dìleas. B’ e cheud ni a rinn Teàrlach fios a chur a dh’ ionnsaidh oighre òg Mac ’ic Ailein, fiùran cho flathail ’s a sheas riamh air balt bròige, tighinn gu ’n dàil g’ a fhaicinn. Air an ath latha thàinig an lathair a’ Phrionnsa ceathrar de phriomh dhaoine a’ chinnidh so—Mac ’ic Raonuill, Fear Cheann-locha-Mùideart, Fear Ghlinn-aladail agus fear eile a sgriobh eachdraidh mu ’n chonaltradh a bha eatorra. Rinn iad na dh’ fhaodadh iad g’ a chomhairleachadh gun an oidheirp a thoirt. Bha e fhein agus iadsan a’ spaidsearachd an deireadh na luinge, esan ag aslachadh orrasan eirigh, agus iadsan cho dian ’ga dhiùltadh. ’N uair nach mor nach d’fhairtlich iad air, mhothaich e Gàidheal eireachdail ’na làn éididh, bràthair do Fhear Cheann-locha-Mùideart, a’ seasamh an ceann eile na luinge. Thuig an Gàidheal co bh’ ann, agus chual e le iongantas agus corraich, a cheann-cinnidh agus a chàirdean a’ diùltadh éirigh leis. Thàinig rudhadh air a ghruaidh, ghlac e ’chlaidheamh gu gramail ’na làimh, thug e ceum goirid air ais ’s air aghaidh air clàr na luinge, le colg buaireasach ’na shùil. Mhothaich am Prionnsa dha so, thionndaidh e ris agus thubhairt e: “An éirich thusa leam?” “Eiridh,” arsa Raonull òg Cheann-locha-Mùideart, oir is e bh’ ann, “agus ged nach biodh duin’ eile an Albainn a dheanadh e, seasaidh mi le m’ Phrionnsa gu bàs.” Thàinig na deòir an suilibh a’ Phrionnsa. “A fhleasgaich fhoghaintich,” [TD 115] fhreagair e, “na ’n robh mìle de d’ leithid agam, ghearrainn a mach slighe chum rìgh-chathair mo shinnsir.” Bha briathran an oganaich mar shrad ann am fùdar, chuir e lasag anns gach cridhe, agus bhòidich gach mac mathar dhiu, am Prionnsa a sheasamh anns gach bac is bealach. Bha na Dòmhnullaich thapaidh a sheas r’ a thaobh air clàr na luinge, deas gu cathachadh air son a’ Phrionnsa mu ’n d’ eirich aon fhine ach iad féin. Thug an seann laoch—Dòmhnullach Bhothasdail—leis am Prionnsa gu chaisteal agus rinn e cuirm air a shon. Chruinnich sluagh na duthcha mu ’n chaisteal a dh’ fhaicinn sealladh de Theàrlach òg Stiùbhart. Cha robh duine thàinig ’na rathad nach robh facal math aca ri ràdh as a leth—bha e cho uasal, cho aoidheil agus taobh blath aige ris gach ni Gàidhealach, agus ’n uair a thòisich e air Gaidhlig ionnsachadh, agus a chaidh aige air “Deoch-slàinte n Righ” a thogail ’n an cànain féin, bha na Gàidheil leis a dh’ aona bheum ’s a dh’ aona bheachd, ’s cha robh air an t-saoghal coltach ri Teàrlach òg a’ chuailein dualaich. Chaidh Raonull òg Cheann-locha-Mùideart do ’n Eilean Sgitheanach feuch an cuireadh e impidh air Mac Leoid Dhun-bheagain agus air an Ridire Alasdair Dòmhnullach eirigh leis a’ Phrionnsa. Bha a shaothair an diomhain, oir bha iad so le chéile fo smachd luchd-riaghlaidh na rìoghachd. An déigh an dà cheann-cinnidh so b’ e Loch-iall an [TD 116] ath cheann-cinnidh ann an neart ’s am buaidh. Gu dearbh bha a leithid de dh’ earbsa aig daoine ann an gliocas Loch-iall nach robh fear eile anns a’ Ghàidhealtachd cho measail ris, no aig an robh uiread bhuaidh am measg nan Gaidheal. Ma bha cùisean ri dol leis na Gaidheil dh’ fheumadh iad Loch-iall a bhi aig an ceann. Cha robh ’nam measg uile a chunnaic cho faoin ’s a bha an oidheirp ri Loch-iall, agus cha robh e idir toileach a dhaoine a bhi air an iomaladh ann an cùis a bha cho duaichnidh. Rinn e suas ’inntinn gu ’m faiceadh e am Prionnsa, agus leigeadh e ris dha an cunnart a bha e ruith, agus chuireadh e impidh air tilleadh air ais, “Sgriobh g’ a ionnsaidh,” chomhairlich a bhràthair, ach na rach g’ a fhaicinn. Is aithne dhomh-sa thu na’s feàrr na’s aithne dhuit thu fhéin. Ma théid thu ’n làthair a’ Phrionnsa cuiridh e buidseachas ort, agus ni thu na dh’ iarras e.” Cha robh so ach smior na fìrinn. ’N uair a bha gach tagradh a rinn am Prionnsa gun bhuaidh air Loch-iall, thionndaidh Teàrlach agus thubhairt e gu leamh, àrdanach, “Ann am beagan làithean, le grunnan chàirdean, togaidh mise mo Bratach Rioghail agus foillsichidh mi do shluagh Bhreatuinn gu ’n tàinig Teàrlach Stiùbhart a nall a thagradh a chòir air crùn athraichean—a’ bhuidhinn no ’chall anns an oidheirp. Feudaidh Loch-iall, mu ’n do labhair m’ athair mar an caraid a b’ fheàrr a bh’ againn, fuireach aig an tigh, agus ciod tha ’n dàn do ’n Phrionnsa a leughadh anns na paipearan-naigheachd.” Bha ’n so [TD 117] tuillidh ’s a sheasadh cridhe blàth, àrdanach Loch-iall agus fhreagair e gu teò-chridheach—“Cha ’n fhuirich mi aig an tigh, ach seasaidh mi fhein agus gach neach air a bheil buaidh agam, ri gualainn mo Phrionnsa.” Eadhon mu ’n do thogteadh a’ Bhratach Rioghail ri crann bha soirbheachadh, ris nach robh sùil, aig arm a’ Phrionnsa. Thuit gu ’n robh aig a’ Chrùn feachd air an suidheachadh an dà chuid aig Cille-chuimein agus aig Ionbhar-lòchaidh. A chionn gu ’n robh iadsan a bh’ aig Ionbhar-lòchaidh ann an teis-meadhon na ceàrna anns an robh an ùpraid, chuir ceannard na feachd a bh’ ann an Cille-chuimein dà bhuidheann g’ an cuideachadh. Bha an dà bhuidheann so, fo cheannard d’ am b’ ainm Scott, agus ’n uair a rainig iad ceann na Drochaide-Mòire, mu sheachd mìle o Ionbhar-lòchaidh, chunnaic iad banal Ghàidheal fo làn uidheam aig ceann eile na drochaide. Na ’n robh de mhisneach aig feachd an Righ dol air an aghaidh chitheadh iad nach robh anns a’ bhanal ach mu fhichead pearsa—Dòmhnullaich air fad, ach eadar sgal nam pioban, agus iollach nan Gaidheal shaoil iad gu ’n robh feachd làidir nan aghaidh, ghabh iad an t-eagal, ’s thill iad, agus ged a bha an ceannard Scott ’na dhuine gaisgeil e fhein, b’ fheudar dha leigeil leò tilleadh. Ach dhùisg an làmhach mac-talla nan creag, chuala Dòmhnullaich eile agus Camshronaich e agus ghreas iad gu ceann na drochaide agus ann an ùine ghoirid bha ’n gleann ’s an sliabh cho beò ri dun-sheangan le gillean an [TD 118] fheilidh, ’s iad a’ dùsgadh mac-talla le ’n caithream ’s le ’m mire-chatha. Dh’ fheuch an t-arm dearg ri ’n casan thoirt ás mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad, ach ann an tiota bha iad air an cuartachadh le buidheann de Dhòmhnullaich na Ceapach, ’s Mac Dhòmhnuill fhéin air an ceann, agus b’ fheudar géilleachdainn. Chaidh na prìosanaich iomain gu Ach-na-carraidh. A chionn nach robh lighiche aig làimh, chaidh an ceannard, a bha air a dhroch leònadh, a chàradh do dh’ Ionbhar-lòchaidh, ni a bha leigeil ris truacantas nan Gàidheal eadhon do ’n Arm Dhearg. Air an naothamh-là-deug de cheud mhìos an fhoghair chaidh a’ Bhratach Rioghail a thogail ri crann ann an Gleann-fionnan—gleann creagach domhain eadar Loch-iall agus Loch-seile—far am bheil an carragh-cuimhne a thog Fear-a’-Ghlinne do ’n Phrionnsa ’na sheasamh. B’ e Teàrlach, le buidheann bheag de Chlann-Dòmhnuill a’ cheud fheadhainn a ràinig an Gleann air a’ mhaduinn ainmeil ud. Dh’ iomair iad o cheann eile Loch-seile. ’N uair a ràinig iad bha an gleann falamh, fàs, cha robh sgal na pìoba ri chluinntinn—cha robh anail bheò ’s a’ ghleann ach iad fhéin. Dh’ fheith iad le foighidinn, ’s chaidh an latha seachad gu mall, muladach. Mu dheireadh, ’n uair a bha iad seachd sgìth a’ feitheamh, chualas toirm na pìoba, agus chunnacas buidheann de Chamshrònaich ’s Loch-iall air an ceann a’ tighinn thar a’ mhonaidh ’s iad ag iomain rompa nam priosanaich a ghlac iad [TD 119] aig ceann na Drochaide-Mòire. ’Nan lorg bha Stiùbhartaich na h-Apunn, Cloinn Dòmhnuill Ghlinne-comhann ’s na Ceapach; gus mu dheireadh an robh cóig ceud deug pearsa a làthair. B’ e an seann laoch Fear Thulach-bhàrdainn a thog a’ bhratach Rioghail ri crann, air an robh sgriobhte, “Buaidh mu dheireadh.” ’N uair a sgaoil an srol sìoda annsa’ ghaoith thilg gach Gàidheal a bhoineid ’s an athar, ’s thog iad uile iollach, uallach, àrd. Am measg na bha coimhead an t-seallaidh iongantaich so bha oifichear Sasunnach a chaidh a ghlacadh aig an Drochaid Ard air a’ mhaduinn sin. Chaidh am Prionnsa an taobh a bha e agus thubhairt e ris gu h-uaibhreach—“Rach thusa, ’laochain, air t’ ais gu d’ cheannard; innis dha na chunnaic thu, agus abair ris gu bheil mise tighinn a chur còmhraig leis.” III. Teàrlach a dol mu Dheas. BHA Teàrlach a nis ann an Albainn fad mìos. Re an ama sin thionail grunnan lachach de dhaoine mu ’n cuairt air; chaidh na litrichean a chur e mach a’ tagradh còir air crùn athraichean a sgaoileadh thall ’s a bhos, bha cuid dhiu air an clo bhualadh ann an Dùn-éideann, agus ’na dhéigh so uile cha d’ fheuch luchd-riaghlaidh na rìoghachd ri bacadh a chur air. Cha robh naigheachdan ás a’ Ghaidhealtachd ach mall ’nan siubhal; cha robh fios cinnteach aca ann an Dùn-éideann gu ’n d’ ràinig [TD 120] am Prionnsa, gus an t-ochdamh latha de cheud mhios an Fhoghair. B’ e aon de dhroch thoraidhean an Aonaidh gu ’m feumadh gach cùis Albannach a bhi air an socrachadh ann an Lunnainn, agus bha baile Lunnainn astar thrì laithean ni b’ fhaide air falbh. A bharrachd air sin bha Lunnainn cho fada air falbh nach robh muinntir a’ bhaile sin a’ tuigsinn a’ chunnairt anns an robh bailtean na h-Alba. Bha na sgeòil a bha ruigheachd Dhùn-éideann mu ’n Phrionnsa gun mhoran bunait. An darna h-uair bha e air innseadh gu ’n robh deich mile saighdear Frangach leis a’ Phrionnsa, agus uair eile cha robh aon duine ri fhaotainn anns a’ Ghaidhealtachd a dh’ eireadh leis a’ Phrionnsa. Iadsan d’ am b’ aithne a’ Ghaidhealtachd cha robh iad a’ creidsinn gu ’n robh am Prionnsa gun chuideachadh am measg nan ceann-cinnidh. Cha robh e farasda arm a thogail a rachadh an aghaidh a’ Phrionnsa no a dhionadh Dùn-éideann. Aig an am so cha mhor nach robh h-uile saighdear ann am Breatunn air falbh anns an Fhlannradh a’ cogadh an aghaidh nam Frangach; cha robh anns na saighdearan a dh’ fhàgadh aig an tigh, ach seann laoich bhreòite gun neart gun spéiread, agus buidheann de shaighdearan òga nach faca riamh cogadh, agus ás nach robh moran earbsa aig an luchd-riaghlaidh. Bha na reiseimeadan ùra so fo stiùireadh nan ceann cinnidh a thog iad; agus na’n leanadh iadsan am Prionnsa cha robh duine anns na reiseamaidean nach eireadh leotha. [TD 121] B’ e an Ridire Iain Cope a b’ ard-cheannard air na saighdearan dearga—feachd an Righ. Cha bu duine e a bha idir freagarach gu bhi aig ceann an airm aig a leithid so de dh’ am. Bha e car coma co dhiù, agus na ’n rachadh aige air cùisean a ghiùlan air aghaidh gun chuir-iomachair bhiodh e làn thoilichte. ’N uair a chaidh a shocrachadh gu ’m b’ esan a bha ri dol air ceann feachd na h-Alba do ’n Ghaidhealtachd, dh’ aontaich e gu togarrach; ach ’s beag a bha fhios aige ciod a bh’ air thoiseach air. Anns a’ cheud dol a mach thuig e nach biodh e comasach dhaibh biadh freagarach a ghiùlan leò air son dhaoine is each, agus mar sin dh’ fhàg iad Còirneal Gardiner agus a mharc-shluagh aig Sruibhle. Cluinnidh sinn ciamar a chaidh dhaibh aig am eile. Bha gu leòir de threallaich aig a’ choig mile deug saighdear a bha leis, oir bha treud de chrodh ’nan lorg g’ an cumail ann am feoil agus còrr agus ciad each luchdaichte le aran. Bha an Ridire Iain Cope làn chinnteach gu ’n eireadh móran de na fineachan air a thaobh; agus air an aobhar so thug e leis do ’n Ghàidhealtachd seachd ciad musg. ’N uair a rainig e cho fada ri baile Chraoibh ’s nach d’ éirich aon duine leis chaidh na musgan a chàradh air ais. Air a thurus lean Cope an seann rathad gu Cille-chuimein, a chaidh a dheanamh leis an t-Seanalair Wade deich bliadhna fichead roimhe sud. Mu dheich mìle air an taobh deas de Chille-chuimein tha an rathad a’ dol thairis air monadh cas ris an abrar Coire-ghearaig. Tha ’n [TD 122] rathad cho cas, ’s cho duilich a dhìreadh gu ’n abrar “Fàradh an Donais” ris. Arm ’sam bith a gheibh gu mullach an Fhàraidh so an toiseach bhiodh an naimhdean gu h-iomlan ’nan làmhan ma bha aca ris a’ bhruthach chas so a dhìreadh an aghaidh luaidh is fùdar, ’s cha robh idir comas dol as aca ma ’s iad Gàidheil a bh’ air a’ mhullach—’s iad cho teòm air streap ris na gobhair ’s cho math air ruith ris na feidh. Chuala Cope, mu ’n tàinig e mar mhiltean de ’n Choire-ghearaig gu ’n robh na Gàidheil ’g a fheitheamh aig a’ mhullach. Cha robh anns an sgeul ach na breugan, ach chuir e ’n t-eagal air an t-Sasunnach bhochd. Cha dhìreadh e am monadh air na chunnaic e riamh, agus bha e calg dhìreach an aghaidh òrduighean tilleadh mu dheas. Ghairm e comhairle cheann-fheachd agus dh’ aontaich leis an aghaidh a thoirt air Ionbhar-nis agus gu ’n tuille dàlach ghluais iad gu sùrdail an taobh sin. Mu ’n am so bha na Gàidheil gu teann air lorg Chope agus an geall air a bhi ’na bhad. Bha na Gàidheil a gluasad gu h-aotrom uallach mar a bu mhath a b’ aithne dhaibh, agus cha robh iad a’ giùlan air an dronnaig na bha cur moille orra. Bha pocan beag de mhin-choirce air druim gach fir; ’s bu leòir sin. Mu ’n do ghluais iad, loisg am Prionnsa an treallaich a thug e leis as an Fhraing agus ghabh e ’àite aig ceann an airm cho uallach aotrom ’na cheum, ’s cho làn misnich ris an fhear a b’ fheàrr aca. A’ mhaduinn a bha iad ri Coire-ghearaig a [TD 123] dhìreadh bha am Prionnsa ’s a chridhe mireadh ris. ’N uair a bha e ceangal bàrr-iall a’ bhròige ars’ esan: “Cha tig na brògan sin dhiom gus an cuir mi cath le Cope.” A suas “Fàradh an Donais” streap na Gàidheil mar na gobhair, ’s ’n uair a rainig iad am mullach ’s a sheall iad a sios air an taobh eile de chìrean a’ mhonaidh cha robh anam beò r’ a fhaicinn; bha an rathad reidh dhaibh. ’N uair chuala iad an taobh a chaidh Cope bha aimheal orra nach d’ rug iad air mu ’n tug e chasan as. Chaidh buidheann de na Gàidheil a chàradh gu Rudhainn far an robh tigh-feachd anns an robh beagan shaighdearan fo chomannda Seirdsean Molutha a’ cumail an àite airson nan saighdearan dearga. ’S e duine gleusda, gaisgeil a bha so agus so mar a sgriobh e do ’n àrd-cheannard mu ’n oidheirp a thug na Gàidheil air an àite ’ghlacadh— “Ard-cheannard. Dh’ iarr iad orm geilleachdainn; ach fhreagair mi gu ’n robh mi tuillidh ’s sean san adharc gu àite cho làidir fhàgail gun bhuille tharruing. Thairg iad dhomh cùmhnantan fialuidh, ’s cead mi fhéin ’s na bhuineadh dhomh a dhol a mach gu sìobhalta, ach dhiùlt mi sin gu buileach. Bhagair iad mi fhéin ’s na bha leam a chrochadh. Fhreagair mi ‘mo thogair.’ Chuir iad teine ris a’ gheata, ach chuir mi as e. ’N uair a dh’ fhairtlich cuisean orra, thog iad leo corp an companaich ’s dh’ fhalbh iad.” Nach bu ghleusda Molutha— co air bith co e! Ged nach robh a’ bhuidheann buadhar aig Rudhainn, [TD 124] thuit do chuid de ’n bhuidhinn mu ’n do thill iad, tighinn tarsuing air Fear Chluainidh—ceann-cinnidh cho ainmeil ’s a bha anns a’ Ghàidhealtachd, agus rinn iad prìosanach dheth. Mar cheannard air buidhinn a chaidh a thogail a chum meairle chur sìos anns a’ Ghàidhealtachd bha Cluainidh ann an seirbheis Righ Seòrais; bha so ’g a chumail dìleas do ’n chrùn, ach bha chridhe leis a’ Phrionnsa. Chaidh a ghlacadh faisg air a thigh fhéin gun ghuth mór gun dhroch fhacal, ’s aon uair ’s gu ’n robh e ’na phriosanach cha robh e duilich impidh a chur air, éirigh le Teàrlach. Bha an t-arm a nis a’ teàrnadh gu Dùthaich Athaill. Cha b’ ann gun fhaireachdainnean neònach a thriall seann Thullach-bhàrdainn a dh’ ionnsaidh a thigh féin—Tigh a’ Bhlàir—as an deachaidh fhogradh deich-bliadhna-fichead roimhe sin. ’N uair a mhothaich a bhràthair, a bha chomhnuidh an Tigh a’ Bhlair ’s aig an robh còirichean na h-oighreachd a nis, gu ’n robh arm a’ Phrionnsa aig laimh, theich e, agus thug e cothrom do ’n t-seann laoch aoidheachd a nochdadh do ’n Phrionnsa anns an t-seann dachaidh. Cha mhor nach robh gach fear-fearainn ann an Siorramach Pheairt air taobh a’ Phrionnsa. Aig Tigh a’ Bhlair, agus ’na dheigh sin ann am baile Pheairt thàinig iad le ’n luchd-leanailt gu cuideachadh a’ Phrionnsa. B’ e an t-Iarla Seòras Morradh, bràthair Fear Thullaich-bhàrdainn, h-aon de ’n luchd-leanmhuinn a b’ inbhiche a lean am Prionnsa. ’S e seann [TD 125] saighdear a bh’ ann. Bha e mach aig àm blair Sliabh an t-Siorraim 1715, agus bha e comharraichte mar cheann-feachd, agus bha e sean eòlach air na Gàidheil ’s air an dòighean-cogaidh. Cha bu chùirtear e, oir bha teanga fhada, gheur aige, agus bu tric ’na dhéigh so a chuir a chainnt reasgach campar air a’ Phrionnsa, a chleachd teanga mhiodalach nan Eireannach a bha ’na chuideachd. Air an rathad mu dheas bha an t-arm aon-sgeulach, ’s a’ gluasad gu misneachail. B’ e an seann laoch, an t-Iarla Seòras Morradh, a bha air ceann an airm. Bha uasal eile a dh’ eirich le Teàrlach: b’ e sin Diùc Pheairt. Cha robh e idir cho comasach ghleusda ris an t-Iarla Seòras Morradh, ach bha e cho mìn, mhodhail ’na dhòigh nach robh e fada deanamh chàirdean. Chaidh a thogail anns an Fhraing, ’s bhuineadh a mhathair do dh’ Eaglais na Roimhe, ’s bha e cho déigheil air na Stiùbhairtich Rioghail gu ’n robh e am measg na ceud fheadhainn air an do laidh amharus an luchd-riaghlaidh. Cho luath ’s a chual iad gu ’n do chuir am Prionnsa ’chas air tìr, chuir iad fear an tòir air Diùc òg Pheairt. Cha robh e idir cliùiteach, no bòidheach, an dòigh anns an deachaidh iad mu ’n ghnothach. Thug Caimbeulach Ionbhar-atha cuireadh dha féin gu cuirm ann an caisteal Dhrumain, agus an deigh dha bhi air a dheagh chàradh, thug e mach a bharantas chum an Diùc a chur an sàs. Cha do chuir so campar air an Diùc, ghabh e air a bhi toileach falbh leis, agus mar bu ghnàth dh’ fhosgail [TD 126] e ’n dorus is leig e mach Fear Ionbhar-atha air thoiseach air fein—ach an àite a leanailt mar a shaoil am fear eile a dheanadh e, chuir e car ’s an iuchair, agus a mach ghabh e air an uinneig, shnàg e measg nan craobh gus an do ràinig e leanag uaine far an robh each ag ionaltradh ’s taod ’na cheann. Leum e air muin an eich agus thàr e as. Air an dòigh so ràinig e tigh caraid, far an robh e ’m falach gus an d’ fhuair e cothrom air am Prionnsa ruigeachd. Cha robh teaghlach ann an Albainn cho dìleas do na Stiùbhartaich ris na h-Oliphantaich a bha ’n Gasg. Bha Fear Ghaisg a mach anns a’ bhliadhna 1715, agus dh’ fhuiling e gu goirt air a shon sin, ach cha do chum so e gun eirigh le Teàrlach òg mac Righ Seumais. Thug e leis gu Tigh a’ Bhlàir a mhac uallach, aotrom, Labhruinn, a sgriobh eachdraidh a thurais ann an cainnt theò-chridhich. Sgriobh a’ bhean-uasal Mairearad Oliphant eachdraidh air a tachairt ris a’ Phrionnsa, ag ràdh gu ’n robh i cho duilich a chionn “nach robh innte ach bean” nach robh e ’na comas bratach Theàrlaich a ghiùlan. Chuir i féin agus a màthair ’s a peathraichean a suas an srol bàn a bha ’na shuaicheantas aig a’ Phrionnsa; agus fhritheal iad air ann an tigh peathar màthar, a’ Bhain-tighearna Naruinn. Bha an teaghlach so fo mhor mheas aig an tuath fein, a bha air an oighreachd linn an déigh linn. Bha e ’na fhacal coitcheann ’nam measg, “Is Righ Fear Ghaisg dhuinne.” Ach ’n uair a thàinig an [TD 127] t-am eirigh bha moran de ’n tuath a mheas an oidhirp cho amaideach gu ’n do dhiùlt iad Fear Ghaisg a leanailt. Chuir so corraich nach bu bheag air, agus a’ leigeil leis an ardan lamh-an-uachdair fhaotainn air, thoirmisg e dhaibh am bàrr a ghearradh a bha air a’ bhliadhna sin tràth agus pailt. ’N uair a mharcaich Teàrlach troimh achaidhean Ghaisg chunnaic e gu ’n robh am bàrr abuich ach nach robh duine cur corain ann g’ a ghearradh. Dh’ fheòraich e ciod a b’ aobhar agus ’n uair chual e mar a bha cùisean a’ seasamh, leum e bhàrr an eich agus ag gearradh dias le ’chlaidheamh thubhairt e gu flathail: “Sin agaibh a nis; rachadh ris; bhris mise an toirmeasg! Nis faodaidh gach neach a chuid féin a bhuain.” B’ iad gniomhan de ’n t-seorsa so a bhuidhinn gaol nan Gàidheal agus a rinn na Gàidheil cho déigheil air còir a’ Phrionnsa a sheasamh anns gach bac is bealach. Is e so a tha a’ toirt nan deur ’nar sùilean agus taiseachadh air ar cridheachan ’n uair a dh’ eisdeas sinn ris na seann òrain— “’Toirt umhlachd, chrom mi sios mo cheann, ’S mo crìdh’ an geall air Teàrlach.” No na facail so— “Dhuitse thug sinn gaol ar crìdh’, O, nach till thu ruinn a rìs.” Air an treas là de cheud mios na bliadhna chaidh Teàrlach a stigh do bhaile Pheairt, aig ceann an airm, ’s e ann an eideadh bhriagh de [TD 128] bhreacan—ach, mo thruaigh, bha a ghini mu dheireadh ’na phòca! Coma leat, thog iad suim mhath airgid anns a’ bhaile agus anns a chomhairsneachd, agus dh’ fhàg e am baile le arm a bu mhotha na thug e stigh, seachdain ’na dhéigh so, ’s e deanamh a rathaid do Dhun-éideann. Leis nach robh gunnachan mora aig arm a’ Phrionnsa sheachainn iad baile Shruibhle, a’ dol troimh an àth air an abhainn Fuir (Forth), agus a’ dol troimh Ghleann-iuch gun bhacadh, ged a bha sùil aca tachairt air saighdearan Ghardiner an so. Tha e coltach nach d’ fheith na saighdearan so riutha—tharruing iad gu Corstorphine, baile a tha mu dhà mhile o Dhun-éideann. B’ ann aig Kirkliston a ghabh am Prionnsa ’s a chuideachd an ath anail. Bha iad teann air tigh Thighearna Stair—mac an fhir sin aig an robh lamh ann am mort Ghlinne-Comhann. Mar a tha beachd agaibh, bha odha de Mhac-Iain Ghlinne-Comhann ann an arm a’ Phrionnsa le chuid dhaoine. Air eagal gu ’n gabhadh iad an cothrom so air dìoghaltas, b’ e beachd an ard-oificheir freiceadan a chur a chuartachadh tigh Thighearna Stair. ’N uair a chual Mac-Iain so chaidh e an taobh a bha am Prionnsa agus ars’ esan: “Tha e ceart gu ’m biodh freiceadan a’cuartachadh tigh Thighearna Stair; ach feumaidh e bhi gu ’r Dòmhnullach á Gleann Comhann a bhios anns gach mac màthar dhiu. Mur ’eil iad airidh air an earbsa so cha ’n ’eil iad airidh air a bhi ’n arm a’ Phrionnsa, agus feumaidh ar [TD 129] bratach a thréigsinn.” Faodaidh an t-iarrtas air dìoghaltas a bhi laidir ann an cridhe nan Gàidheal ach tha ’n deigh air cothrom na Féinne ni ’s treise. Mar a chì sinn ’na dheigh so, bha na Dòmhnullaich daonnan an geall air an toil féin a bhi aca a dh’ aindeoin co theireadh e. IV. Baile Dhun-éideann. CHA ’n urrainnear innseadh an clisgeadh a ghabh Baile Dhun-éideann. B’ i cheist anns gach beul—an gabh am baile ’dhaingneachadh no an seas e séisd gus an tig cobhair. Bha sùil aca gach uair de ’n latha ri Cope ’s a chuid armachd. Bha an ceannard màirnealach so mu thuath ach cha ’n fhac e nàmhaid ’s cha do bhuail e buille, ’s bha e fhéin ’s a chuideachd air an rathad do Dhun-éideann air luingeis. Cha robh teagamh mu neart a’ Chaisteil. Bha e làn shaighdearan ’s lòn gu leòir, ’s cha robh arm a dheanadh drùghadh air gun ghunnacha mòra. Ach bha am baile ann an atharrachadh uidheam. Bha seann Bhaile Dhùn-éideann, mar tha fhios agaibh, air a thogail air cìrean a’ mhonaidh a bha ruith eadar lag Holyrood agus a’ chreag air am bheil an Caisteal. Air gach taobh tha frith-rathaidean is caol shràidean a’ ruith leis an leathad—air an taobh deas gus an Grass- [TD 130] market agus an Cowgate—agus air an taobh deas bha am baile a’ ruith a sios gu linne ris an abairteadh an Nor’ loch. Mar so chi sinn gu ’n robh e ann an àite nach biodh duilich a dhion na’ n robh am baile gu ceart air a dhaingneachadh. Mu dhà cheud bliadhna roimhe sud, anns na laithean iomagaineach a thàinig air cùl blàr fuilteach Fhlodden, thog luchd-riaghlaidh Dhun-éideann, ’s iad fo eagal gu ’n creachteadh am baile, balla mór mu ’n cuairt air a’ bhaile mar a bha e ’n sin. Bu leòir sud anns an am, ach cha robh leud anns a’ bhalla air an seasadh gunna mor, mar a chi neach a theid a choimhead air an leòbag a chaidh fhàgail ’s a tha fhathast ri fhaicinn anns a’ Ghrassmarket. Ma bha am balla breòite, agus air bheag feum, bha na seoid a bha ri seasamh air a chùlthaobh seachd uairean na bu mhiosa. Bha feum air na saighdearan uile anns a’ Chaisteal; leis gu ’n robh na dragoons aig Hamilton shìos ann an Lìte, bha iad gu ’n fheum a dhion a’ bhaile; cha robh ann am freiceadain a’ bhaile ach seann daoine breòite, bha fada gun fheum, agus airson an arm-fhuasgailte (Volunteers) bha moran dhiu nach do loisg urchair riamh, agus a dhuineadh an dà shuil na ’n robh aca ri urchair-fhùdair a losgadh aig banais. Cho luath ’s a thàinig fios cinnteach gu ’n robh na Gàidheil air an rathad do Dhùn-éideann, chaidh tòiseachadh le foirm mhòir air a’ bhaile a chur ann an uidheam cogaidh. Dh’ fheuch an t-àrd-fhòghlumaiche Mac Labh- [TD 131] rainn ri gunnacha mora ’shuidheachadh air a’ bhalla bhreòite so ach air bheagan soirbheachaidh. Bha am baile an geall air réiseimeid a thogail am measg na bha deònach éirigh; cha robh an t-airgiod gann ach bha na daoine tearc. Eadhoin ’n uair a chaidh buidheann a chur cruinn, cha robh iad idir misneachail. Bha eagal an cridh’ orra roimh nan Gàidheal aig an robh an t-ainm a bhi borb agus garg, agus mar sin, cha robh e ’na ioghnadh ged a tha eagal air marsantan is cleirich dol ’nam bad. Cha robh am baile aon-sgeulach; bha moran chàirdean aig a’ Phrionnsa ged a bha iad a’ cumail sàmhach. Anns na taighean òsda bha daoine calma còir, a bha dileas do ’n Phrionnsa, a’ cur an cinn r’ a chéile ’s a’ deanamh gàire-magaidh air luchd-riaghlaidh a’ bhaile air an do thuit a leithid de dh’ eagal. Ann an ard-sheòmraichean, ann an cearna no dha de ’n bhaile, bha seana mhnathan sgairteil ag aithris gniomhan gaisgeil 1715, agus og-mhnathan uasal a’ sior dheanamh dhualag de ribinean geala. Mar a thubhairt fear-eachdraidh ’s an am—“Bha aona thrian de na fir agus dà thrian de na mnathan air taobh a’ Phrionnsa.” Air Di-sathuirne bha sin, ràinig an sgeul Dun-éideann gu ’n robh am Prionnsa aig Gleann-iuch (Linlithgow), agus gu ’n do tharruing am fear-feachd Gardiner agus a chuideachd gu Corstorphine, baile beag mu dhà mhile bho Dhun-éideann. Ghlac oillt na h-uile; chaidh daoine a chur an comhairle ri ard luchd-lagha a Chrùin, ach bha iad so uile [TD 132] air teicheadh do Dhun-bar. Cha robh am Probhaist e fhéin os cionn amharuis. Bu Stiùbhartach e, agus cha chreideadh Albannach beò gu ’n rachadh esan an aghaidh ’fhir-chinnidh agus a’ Phrionnsa. Air Di-dòmhnaich ’n uair a bha ’n sluagh anns na h-eaglaisean roimh mheadhon latha, sheirm clag sanus a chuir fa sgaoil iad gu h-obunn. Dé bha so ach sanus do ’n arm-fhuasgailte a bhi tional. Bha ceannard a’ Chaisteil ag òrduchadh an airm a bha ’n Lìte dol a chuideachadh le Gardiner aig Corstorphine agus bha ’n t-arm-fuasgailte ri dol leotha. Bha ’n t-arm-fuasgailte ’n an seasamh an òrdugh anns an t-sràid Ard ’n uair a chaidh saighdearan Lìte seachad ’nan deann, agus anns an dol seachad dh’ fhàiltich iad an companaich, ’s gach lann an tarruing, ’s ghabh iad sios an West Bow agus a mach am West Port. Re seal bha gach saighdear-fuasgailte ’na churaidh, ach ’n uair a chual iad caoidh is bròn am mnathan ’s an cloinn bha iad diùididh dìblidh gu leòir. Bha banal ghruagach a bha air taobh a’ Phrìonnsa a’ coimhead air na “gaisgich” so as na h-uinneagan agus thòisich iad air magadh orra; ach b’ fheudar dhaibh na h-uinneagan a dhùnadh air eagal gu ’n rachadh an clachadh. Bha buidheann de ’n arm-fhuasgailte air a deanamh a suas de dh’ oileinich òga. ’N am measg gun teagamh bha cridhe no dhà gun fhiamh gun eagal, agus an geall air tuasaid; ach bha mhór chuid dhiu na b’ eòlaiche air leabhraichean na bha iad air claidheamh. “O, Uisdein, Uisdein,” arsa ògan- [TD 133] ach r’ a choimhearsnach, “nach ’eil so uile a’ toirt a’ d’ chuimhne an eachdraidh bha sinn a’ leubhadh mu thuasaid a bha ’s an Roimh, ’s mar a bha na mnathan ’s na maighdeanan ri bròn ’s ri caoidh, ’s ri fàsgadh làmh?” “Cum do theanga,” ars’ a chompanach—ged a bha e cho bàn ri bréid leis an eagal—“cuiridh tu sgàth air na fir.” “Ach ’Uisdein,” ars’ am fear eile, “cuimhnich ciod a bu deireadh dhaibh, ‘cha do thill anail dhiu beò’” Ach cha b’e so a bu deireadh do dh’arm-fuasgailte Dhùn-éideann. A’ dol a sìos an West Bow shnàg iad air falbh fear an deigh fir, a dol anns na frògan mar na radain, gus ’n uair a ràinig iad an West Port cha robh ri fhaotainn ach na h-oileinich, agus bha iadsan iad fein air an tanachadh. Cha robh e duilich impidh a chur air a’ chòrr tilleadh dhachaidh agus an aghaidh a thoirt air an leabhraichean an àite air an namhaid. Cha chualas caismeachd no gaoir-chatha air an oidhch’ ud. Mu uair ’s a’ mhaduinn chaidh am Probhaist is h-aon no dhà de ’n luchd-riaghlaidh mu ’n cuairt le lanntairean, ’s chunnaic iad gu ’n robh na freiceadain uile ’n am faireachadh. Anns an am so bu chleachdadh le muinntir Dhùn-éideann cuid mhath de ’m malairt a dheanamh anns na sràidean. Air an ath mhaduinn, b’ e sin Di-luain, bha na sràidean làn sluaigh aig uair mhoich anns a’ mhaduinn. ’S ann an sin a bha bhruidhinn ’s an seanachas. Mu dheich uairean ràinig gille-ruith am baile le litir o ’n Phrìonnsa, ach gu tubaisteach, [TD 134] dh’ innis e ciod a bh’ innte. B’ e sin na ’n géilleadh am baile gu ’n nochdadh e h-uile caoimhneas ris; ach mur géilleadh e gu ’n rachadh buntainn ris a réir cleachdadh am cogaidh. Bha am baile fo fhiamh ’s fo eagal; bha an sluagh an geall air cruinneachadh agus an cinn a chur r’ a chéile, ach dhiùlt am Probhaist a’ choinneamh a ghairm, oir bha earbsa aige as na dragoons, ’s gu ’n dìonadh iadsan am baile. Goirid an deigh mheadhon-latha chunnaic muinntir a’ bhaile o ’n Chaisteal na dragoons a’ teicheadh o Choltbridge. Am feadh ’s a bha iad a’coimhead orra chaidh an ruith gu deann-ruith, gus mu dheireadh ’n uair a bha iad a’ tarruing teann air oir a’ bhaile, cha chumadh an sionnach riutha ann an luathas. Bha iad an geall air Lite ruigeachd—ach smaoinich iad nach robh so fada gu leòir an ceann air na Gàidheil, agus chum iad air an aghaidh seachad air Lìte gus an do ràinig iad Prestonpans; cha do chum sin riutha, ach an déigh anail ghoirid chum iad air is ràinig iad Dun-bar mu bheul an fheasgair. Agus an déigh so uile cha do tharruing iad lann ’s cha do bhuail iad buille. Tha e coltach gu ’m bu leoir sealladh de ’n arm Ghàidhealach gus an teicheadh a chur orra. Chuir an ruaig so am baile fo iomagain. Chruinnich an luchd-riaghlaidh agus tharruing iad a mach an t-arm-fuasgailte. Bha iad ’nan seasamh air an t-sràid ’s am fiaclan a’ snagartaich leis an eagal, ’s gun iad cinnteach ciod a dheanadh iad, ’n uair a chaidh marcaiche seachad—cha ’n ’eil fhios fhathast co [TD 135] bh’ ann—’s an dol seachad ghlaodh e, “Tha na Gàidheil a’ tighinn—fichead mìle dhiu.” Bu leoir sin. Thog na saighdearan-fuasgailte orra gus a’Chaisteal is liubhair iad suas an armachd! Anns an eadar-am chaidh litir o’n Phrìonnsa a shìneadh do ’n luchd-riaghlaidh, a’ tairgse dhaibh nan ceart chumhnantan a chaidh a chur ’n an tairgse ’s a mhaduinn, ach ag ràdh gu ’m feumadh am baile a gheatachan fhosgladh aig dà uair an ath mhaduinn. Bha ’m pobull aon-sgeulach gu ’m b’ e ’n gliocas dhaibh geilleachdainn, ach a chum beagan uine a bhuidhinn chuir iad fir-ionaid a dh’ ionnsaidh campa a’ Phrionnsa, a bha mu dhà mhìle o ’n bhaile, ag iarraidh tuille dàlach. Is gann a bha na fir-ionaid air dol a mach air an dara geata na thàinig marcaiche a stigh air a’ gheata eile leis an sgeul a Dun-bar gu ’n robh Iain Cope ’s a chuid ghaisgeach an déigh tighinn gu Lìte a Ionbhar-nis. Thog so misneach an t-sluaigh agus bha cuid cho dàn ’s gu ’n robh iad a’ bruidhinn mu sheasamh a mach agus dùlan a thoirt do na Gàidheil. Thill na fir-ionaid mu dheich uairean a dh’ oidhche; cha ghéilleadh Teàrlach eang. A bhuidhinn beagan tuille uine chaidh buidheann ùr de luchd-ionaid a chur air falbh anmoch a dh’ oidhche ann an carbad. Bha e chum buanachd a’ Phrìonnsa cho math r’ a naimhdean ùine a bhuidhinn, agus bha e ’n geall air a’ char a thoirt a Cope. Bha balla a’ bhaile lag an sud ’s an so, agus bha e comasach dol thairis air. Bha priomh gheata a’ bhaile, an Netherton, [TD 136] mu mheadhon na sràid Aird, a’ dealachadh an t-seann bhaile o’n Chanongate, air gach taobh de ’n gheata bha ’m balla a’ ruith gu cas le leathad a dh’ ionnsaidh Leith Wynd air an taobh tuath, agus St. Marys Wynd air an taobh deas. Bha cuid de na tighean anns a cheàrna so air an togail air a’ bhalla, ’s mòran diu deich staidhrichean air àirde. Na ’n d’ fhuair grunnan de ghillean tapaidh a stigh do na taighean a b’ àirde b’ urrainn iad am balla a lomadh leis na peilearan, bho na h-uinneagan, agus mar so b’ urrainn an companaich streap thar a’ bhalla. Bha àit’ eile aig an robh am balla lag, aig cois an Leith Wynd, taobh an Nor’loch. Mu mheadhon oidhche thog Loch-iall air agus mu chòig ciad leis, a thoirt ionnsaidh air a’ bhaile anns an dorcha. Bha iad air an treòrachadh le rùn-chléireach a’ Phrìonnsa, duine gun fhiach (Morradh, Bhroughton), a bha aig aon am ’n a fhòghlumaich an Dun-éideann ’s d’ am b’ aithne am baile gu math. Chum iad fada o ’n bhaile anns a’ chuairt a ghabh iad, air eagal gunnacha mòra a’ Chaisteil, ach bha ’n oidhche cho sàmhach ’s gu ’n robh iad a’ cluinntinn guth an luchd-faire anns a’ Chaisteal. Gu dian, sàmhach ghluais na Gàidheal a dh’ ionnsaidh a’ bhaile, a’ cumail ann an sgàile nan taighean arda bha m’ a oir, gun an luchd-cadail a dhùsgadh. Bha iad a’ faicinn nan gunnacha-mòra air na ballachan; ach cha robh duine r’ a fhaicinn. Smaointich na Gàidheil gu ’m feuchadh iad an fhoill an toiseach. Chuir mu fhichead Camronach [TD 137] iad féin am falach aig gach taobh de ’n gheata, sheas mu thrì fichead dhiu ann an sgàile dorcha an Wynd agus dh’ fhan an còrr mu iochdar a’ bhruthaich. Chuir aon de ’n àireamh air éideadh a bhuineadh do sheirbheiseach ceannaird Shasunnaich; chaidh e gu dàna a dh’ ionnsaidh a’ gheata agus dh’ iarr a stigh. Diùlt na freiceadain a leigeil a stigh, agus bhagair iad losgadh air. Cha robh an cleas so dol a’ dheanamh feum. Bha e nis mu bhriste fàire, agus ghabh na ceannardan comhairle le chéile ciod a dheanadh iad. Bha cuid a’ comhairleachadh tilleadh an taobh a thàinig iad, ’n uair chual iad fuaim carbaid truim taobh a stigh de ’n baile. Ciod a bha so ach an carbad a chaidh ainmeachadh cheana, a chaidh a thagradh ris a’ Phrionnsa air son barrachd ùine, chum an inntinn a dheanamh suas ciod a bu choir dhaibh a dheanamh. Bha an carbad air tilleadh agus an déigh an luchd-ionaid fhàgail aig Tigh-na-Comhairle bha e a’ dol do ’n stabull anns a’ Chanongate, ’N uair a dh’ fhosgladh an geata bhrùchd na Camronaich a stigh, ghlac iad an luchd-faire agus thug iad uapa an airm-chogaidh. An sin ghleus na piobairean am pioban agus chluich iad gu caithreanach:— “Gabhaidh sinn an rathad mór, Olc air mhath le càch e”; agus moch ’s a mhaduinn chunnaic muinntir a’ bhaile troimh na h-uinneagan na sraidean air an lìonadh le luchd nam boineid ’s nam breacan. [TD 138] Chaidh na Gaidheil mu ’n cuairt nam ballachan cho dannarra ’s ged a bu leò fhéin am baile. Bha aon de fhir a bhaile a’ gabhail cuairt mu ’n bhalla moch an ath latha. Chunnaic e Gàidheal am marcachd gunna mhóir air a bhalla agus ars’ esan—“’S e mo bheachd nach buin thusa do bhuidheann a bha so an dé.” “O, cha bhuin,” fhreagair an Gàidheal, ’s e caogadh, “fhuair iadsan cead an coise.” Mu mheadhon latha mharcaich am Prionnsa gu Holyrood. Bha e coiseachd ’n uair a tharruing e teann air seann lùchairt ’athraichean, ach bha ’n sluagh cho dùmhail, ’s iad uile an geall air a làmh a’ phògadh gu ’m b’ fheudar dha leum air muin an eich agus thriall e an leth-mhìle mu dheireadh de ’n astar eadar Dìuc Pheairt agus Triath Elcho. Bu deas calma e aig an am so—deas, dìreach le rudha ’n a ghruaidh ’s a chuailean òr-bhuidhie m’ a ghuailne—cota breacain is boineid dhu-ghorm, agus crois an Naoimh Aindreis air a bhroilleach. ’N uair a ràinig e stairsneach an doruis, có a rinn a rathad a dùmhladas an t-sluaigh ach an seann laoch aosda, calma, Hepburn á Keith. Tharruing e a chlaidheamh agus chaidh e ceann air thoiseach air a’ Phrionnsa agus threoraich e suas an staidhir e. Gun teagamh cha b’ olc am manadh so, oir cha robh ann an Albainn a b’ fheàrr cliù no b’ àirde fòghlum na ’n gaisgeach flathail so. An déigh mheadhon latha, aig seann Chrois Dhùn-éideann, am measg greadhnachais nach robh gann, chaidh Seumas VIII. éigheach ’n a righ, [TD 139] agus bha a mhac—am Prionnsa—air aideachadh mar thàinistear athar. Theab ’s gu ’n do bhàth iollach àrd an t-sluaigh sgal nam pìoban; loisg gach Gàidheal urchair-fhùdair anns an athar, agus air dà thaobh na sràide ann an uinneagan nan taighean a b’ airde bha mnathan uaisle a’ crathadh an neapaiceanan geala. Teann air a’ Chrois bha bean bhòidheach fir Bhroughton ’n a suidhe air muin eich, claidheamh tarruinte ’na deas laimh, ’s i leis an laimh eile a’ sìneadh do ’n t-sluagh suaicheantais de shìoda geal. Bha daoine stòlda, ciallach, mar a bha an Tighearna Foirbiseach, ceann-suidhe Cùirt an t-Seisein, air an cur mu ’n cuairt leis a’ bhàigh a nochd an sluagh—gu sònraichte na mnathan—do dh’aobhar a’ Phrionnsa. Bha òigear no dhà a b’ fheudar eirigh leis a’ Phrionnsa a chionn gu ’n dubhairt a leannan nach biodh cuid no gnothach aice ris mur leanadh e Teàrlach òg Stiùbhart. Chaidh dannsa mór a chur air bonn ann an Holyrood air an fheasgar ud, agus air a chuartachadh mar bha e le gaisge ’s le bòidhchead na h-Alba, cha b’ ioghnadh ged a shaoil Teàrlach nach robh an so uile ach blasad de ’n bhuaidh a bh’ air thoiseach air. [TD 140] V. Prestonpans. AN taobh a stigh de mhìos thriall Prionnsa Teàrlach troimh ’n rìoghachd, agus ghlac e prìomh bhaile na rìoghachd sin, ach an deigh so uile cha robh e ’ga mheas féin idir cinnteach gus an coinnicheadh e a naimhdean air an raon ’s an tugadh e ’n t-searbhag dhaibh. Bha iadsan a bha leis a cheart cho déigheil air an t-sabaid ris fhéin. Aig coinneamh cheannard a shuidh aig Holyrood chuir Teàrlach an céill a rùn dol air ceann an airm an aghaidh Chope. Cha ’n éisdeadh na ceannardan ri gnìomh cho faoin, oir mheas iad beatha a’ Phrionnsa ro phrìseil gu bhi air a cur an cunnart cho mor, agus sin gun aobhar. Thuit na musgan a bh’ aig arm-fuasgailte Dhùn-éideann, ’s a chuir iad gu cho beag buil, ann an làmhan nan Gàidheal, ach eadhon leotha so cha robh an t-arm Gàidhealach ach glé bhochd air an uidheamachadh. Bha na h-uaislean a bha anns na sreathan beòil fo làn uidheam, le claidheamh, gunna, dag is biodag, ach bha iomadh fear anns an arm lapach gu leòir, le neul an acrais ’na aodann—’s gun aige mar armachd ach corran-sgathaidh no seann fhàl. B’ e an luathas ’s an dànachd anns an ionnsaidh, a rinn iad comasach air seasamh an aghaidh nan saighdearan dearg a fhuair teagasg-cogaidh. Anns an eadar am bha Cope, le mu dha mhìle saighdear, agus Gàrdiner, le mu shè ciad dragoons, [TD 141] a’ triall gu Dun-bàr. Bha Gàrdiner, saighdear cho treun ’s a tharruing riamh claidheamh a truaill, fo mhì-ghean. Cha do dhi-chuimhnich e ruaig nan dragoons bho Choltbridge—“Gealtairean na tire,” ars’ esan, “Cha ’n ’eil dithis ’n am measg as an gabh earbsa cur; cuiridh a cheud urchair air theicheadh iad.” Cha do chuir smaointean de ’n t-seorsa so a’ chualag a b’ fhaoine air Cope. Air Di-h-aoine, am 20mh là, ràinig an t-arm dearg Prestonpans, agus chaidh iad ann an òrdugh air machair eadar an cuan air an taobh tuath agus cìrean monadh Charberry air an taobh deas. Bha ’n rathad mòr bho Dhùn-éideann gu Haddington a’ ruith seachad air a’ mhachair so agus shaoil an seann bhodachan socharach, Cope, gu ’m feumadh na Gàidheil tighinn orra an rathad a b’ fhasa—b’ e sin rathad mór an Rìgh. Is math gu ’n robh an Ridire Seòras Morradh de bheachd eile—b’ aithne dha gu math gu’n do chleachd na Gàidheil “rathad an fhraoich.” Moch air maduinn Dhi-h-aoine dh’ fhàg am Prionnsa ’s an t-arm campa Duddington. B’ e ’m Prionnsa a’ cheud fhear a bh’ air a bhonnaibh. ’N uair a thoisich iad ri gluasad tharruing e a chlaidheamh, agus ars’ esan:—“’Fheara, thilg mi uam an truaill;” facail uaibhreach a bha co-fhreagairt ri faireachduinn nan seòid a bha leis. Ghluais an t-arm ’n an sreath, trì taobh ri taobh, gach fine le ’n ceann-cinnidh air an ceann. Mu dhà mhile mu’n d’ ràinig iad Prestonpans chuala an Ridire Seoras far an robh Cope agus a luchd- [TD 142] cogaidh ’n an laidhe agus threòraich e a shaighdearan aotrom uallach ris an t-sliabh a bha os cionn a’ chòmhnaird. Bha Cope am beachd gach uair gu ’m faiceadh e a naimhdean a’ tighinn air o ’n iar air rathad mór an Rìgh, agus bha e deas air an son na ’n tigeadh iad air o’n taobh sin. Mu dhà uair a latha, bha ioghnadh air am faicsinn a’ tighinn air o ’n deas—an deigh tighinn thar a’ mhonaidh. Bha de mhisneach aig an Arm dhearg na chuir failte orra le iollach ard, agus fhreagair na Gàidheil iad le mire-chatha ladarna. ’S ann a bha mhiann orra ruith leis a’ bhruthach agus a bhi ’n am bad gun tuille dàlach ach a thaobh nadur a’ ghruinnd bha so eu-comasach, eadhon do Ghàidheil ghramachasach; oir eadar iad ’s an comhnard bha dà bhalla-cloiche àrd agus ’na dhéigh sin boglach mhór, féith fharsuing agus callaid thiugh. Chaidh uasal á arm a’ Phrionnsa agus mharcaich e air gearran beag thar na faiche a dh’ fhaicinn ciod a ghabhadh deanamh. A dh’ aindeoin na peilirean a bha feadalaich m’ a chluasan rinn e beàrna anns a’ bhalla-chloiche ’s leig e ’n gearran troimh ’n fhosgladh. Thill e ’s dh’ innis e nach robh e comasach do ’n arm aghaidh thoirt air na ballachan, a’ bhoglach agus a’ challaid. Cha do chòrd so idir ris na Gàidheil oir bha eagal orra gu ’n snàgadh Cope air falbh fo sgàile na h-oidhche. A dh’ fhàgail so eu-comasach chaidh Tighearna Ionbhar-naruinn agus mu ochd ciad de Ghàidheil á siorramachd Pheairt a chur a chumail faire air an rathad do [TD 143] Dhùn-éideann. A chionn nach gabhadh an còrr a dheanamh air an oidhch’ ud shocraich an dà arm sìos gu cadal; chaidil Cope gu seasgair aig Cockenzie, ach laidh am Prionnsa air an fhaiche le pasgan de chonnlaich pheasarach fo cheann mar chluasaig, agus tonnag bhàn thairis air mar bhrata. Am measg na feadhnach a lean am Prionnsa a Dùn-éideann bha fear-fearuinn d’ am b’ ainm Mac Aindreis. Bha am fear so glé eòlach mu Phrestonpans oir ’s tric a bha e sealg mu ’n cheart aite anns an do chòmhlaich an dà arm. Re na h-oidhche thainig e ’n a chuimhne gu ’n robh frith-rathad a’ ruith o ’n mhullach, seachad air oir na boglaich a dh’ ionnsaidh a’ chòmhnaird, beagan air taobh an iar de ’n aite anns an robh feachd Chope ’n an cadal. Chaidh e ’n taobh a bha ’n Ridire Seòras agus dh’ innis e dha mu ’n fhrith-rathad a bha dol le leathad, agus cha d’ fheith an Ridire ris a’ chòrr ach thug e leis Mac Aindreis a dh’ ionnsaidh a’ Phrionnsa. Dh’ éìsd am Prionnsa gu furachail ris na chaidh a ràdh agus ann an tiota rinn e suas inntinn gu ’n gluaiseadh iad gu ’n dàil. Ann an tiota bha an t-arm air dhùsgadh agus a’ gluasad gu sàmhach, ’s a’ fiaradh an t-slèibh ri solus nan rionnag. Ach bha tubaist an dàn dhaibh! Aig àm Bhannockburn, agus aig gach batailt ainmeil na dheigh, ach a mhain Blàr Raon-Ruaraidh, bu leis na Dòmhnullaich sgiath dheas an airm. Thagair iad air son an aite sin air an oidhche so gu dian, dannarra. Na fineachan eile ’g am meas fein a [TD 144] cheart cho gaisgeil, cha robh iad idir geal mu ’n chùis. ’S e bh’ ann gu ’n d’ aontaich iad uile croinn a tharruing a shocrachadh a’ ghnothuich. Thuit an crann air na Camronaich agus na Stiùbhartaich a bha ’n an aon bhuidheann. Thuit malaichean ceann-chinnidh nan Dòmhnullach, ach bha Loch-iall glic, tuigseach agus uasal mar a bha e riamh agus chomhairlich esan do na fineachan eile an aite àbhaisteach a thoirt do na Dòmhnullaich. Chaidh so a dheanamh agus ghluais an t-arm le cloinn-Dòmhnuill air an ceann. ’N uair a ràinig iad bràigh a’ mhonaidh bha an speur gun neul, ged a bha ceò trom ri ’fhaicinn air an fhaiche gu h-ìosal. Fo sgàile a’ cheò so fhuair na Gàidheil thairis air a’ bhoglaich gu sàbhailte. Anns an dorcha thuit am Prionnsa ach dh’ eirich e cho sgiobalta ’s nach robh uine aig duine air olc a chur air mhanadh o ’n tubaist so. Bha h-aon de na trupairean aig Cope mar fhreiceadan aig oir na boglaich; chual e caismeachd arm a’ Phrionnsa ged a bha ’n ceò ’g am folach, agus thàr e as a thoirt rabhadh do ’n arm dhearg, ach mu ’n d’ rainig e bha arm a’ Phrionnsa air an leathad ’s iad ’n an dà shreath air faiche an àir. Bha na Dòmhnullaich, na Camronaich ’s na Stiùbhartaich, ’s a’ cheud sreath; air an culaobh, mu leth-cheud slat air ais, bha Gàidheil siorramachd Pheairt agus reiseimidean eile, is Teàrlach e fhéin air an ceann. ’N uair a chunnaic Cope gu ’n robh arm a’ Phrionnsa tighinn air o ’n ear, chuir e ’dhaoine ann [TD 145] an òrdugh chum an coinneachainn gu fearail. Anns a’ mheadhon bha am feachd-coise—a bhuidheann as am b’ fheàrr earbsa—air an laimh chlì, teann air a’ chladach agus mu choinneamh nan Dòmhnullach bha dragoons Hamilton, air an laimh dheis, bha dragoons eile fo stiùireadh Ghàrdiner, agus ann am broilleach a chath chuir e na bh’ aige de ghunnacha mora. Bu chòir do na gunnachan sin a bhi ’n an inneil chomharraichte an aghaidh nan Gàidheal oir bha eagal an cridhe aca rompa; ach thuit gu ’n robh iad air an tarruing so fo riaghladh buidhinn bhig de sheann sheòladairean breoite fann. Sheas an dà arm tiota ag amharc air a cheile troimh ’n cheò, mu ’n tug iad an ionnsaidh. Chuir na Gàidheil a suas facal ùrnuigh agus a’ sgrogadh am boineidean gu gramail air am bathaisean ghluais iad an aghaidh an namh gu dalm, dannarra. Aig a’ cheart am so dh’ eirich deothag ghaoith a sgap an ceò agus chunnaic na Gàidheil an naimhdean f’ an comhair mar bhalla stàilinn. Ach cha do chuir so campar orra, oir ghluais iad air an aghaidh gu h-aotrom, gun fhiamh gun eagal, gus an deachaidh iad bho choiseachd gu ruith ’s bho ruith gu deann-ruith, le ’n cinn-chinnidh air an ceann ’g am misneachadh chaidh iad a stigh do àr. Ged a thàinig iad air an aghaidh ’n an deann mar thonn na mara, ghabh gach fear dhiu cuimse mhath, leig e ’n urchair agus an sin thilg e air falbh a mhusg agus a’ tarruing a chlaidheamh, chaidh e am bad a namhaid. Ghlac buidheann de na Camronaich agus de na Stiùbhart- [TD 146] aich na gunnacha mòra, a’ cur an teichidh air na seann seòladairean a bha ’n earbsa riu. B’ fheudar do Choirneal Whiteford e fein, a sheas a mach gu gaisgeil, geilleachdainn. Bha dragoons Ghardiner beagan astair air cùlaobh nan gunnacha mòra agus ghlac an t-eagal iad. Rinn iad aon oidhearp air seasamh an aghaidh nan Gàidheal, ach chuir an colg eagal orra, agus theich iad gach rathad mar chaoirich a rachadh a sgapadh ri aodann glinne. Ni mo a b’ urrainn do dragoons Hamilton seasamh an aghaidh chloinn Domhnuill air an sgiath chlì. Air a chuthach le h-eagal theich daoine ’s eich le cabhaig, cuid a’ dol mar sud is cuid mar so gun riaghailt ’s gun òrdugh. B’ e am feachd-coise anns a’ mheadhon a mhàin a sheas an làrach, ’s a fhrois luaidh air na Gaidheil le deadh chuimse. Chaidh buidheann bheag de Chloinn Ghriogair, ’s gun aca mar arm ach na spealan, an aghaidh na callaid mhusg so. B’ e Seumas Mór, mac do Rob Ruadh Mac Griogair, a’ cheud fhear thug spealan leis gu cogadh. B’esan a bu cheannard air a bhuidhinn so, agus thuit e le cóig peilearan ’na chorp. Le misneach a bha da-rireabh smiorail dh’ eirich e air uilinn agus ghlaodh e—“’Illean, cha ’n ’eil mi marbh fhathast, agus, air m’ anam, chi mi ma bhitheas fear ’n ar measg nach dean a’ dhleasanas.” Anns an ionnsaidh ghairbh sin cha robh mac màthar nach do rinn a dhleasanas. Gun smuain no cùram mu ’n fhrois uamhasaich luaidhe ’bha ’g an dalladh ghabh na Griogairich [TD 147] air an aghaidh gus an d’ rainig iad mar astar claidheimh air an arm dhearg, a bha air an tréigsinn leis a’ mharc-shluagh, ’s air an cur thuige a nis air an dà thaobh agus air am beul-thaobh. Sheas buidheann dhiu gu gramail le Gardiner air an ceann. Ghabh ceatharnach de chloinn Ghriogair fàth air le speal agus chuir e ’n ceann deth agus chaomhain e dha am masladh dol a dh’innseadh gu ’n deachaidh an ruaig air a rithist. Air do bhalla na pairce a bhi teann air culaobh an airm dheirg dh’ fhàg so iad gun chomas teichidh coltach ri cach agus b’ fheudar dhaibh iad fein a liubhairt mar phriosanaich do na Gaidheil. Thuit mu cheithir chiad dhiu le spealan chloinn Ghriogair, gheill mu sheachd ciad dhiu, agus mar so cha ro ach mu thri ciad a fhuair as le ’m beatha. Cha do mhair an cath ach tiota. Bha Prionnsa Teàrlach e fhein air ceann an darna sreath, nach robh leth-chiad slat air dheireadh air a’ cheud sreath, agus ’n uair a ràinig e an t-àite anns an robh teas na còmhraig cha robh buille r’ a tharruing. Ann an tiota thug e òrdugh amharc as deigh na muinntir leònta. “Sin agad a nis,” arsa oifigear spaglainneach ris a’ Phrionnsa, “do naimhdean aig do chasan.” “’S e islean m’ athar a th’ ann,” fhreagair am Prionnsa gu muladach, ’s e tionndadh a thaobh. B’ fhaoin gach oidhearp a thug Iain Cope agus Iarla Home air stad a chur air ruaig nan dragoons. Leis an daige ri cluais gach fir chaidh aca air [TD 148] buidheann bheag dhiu a thional ann an achadh teann air Tobar Chliamain, ach thuit gu ’n cual’ iad urchair agus ann an tiota theich iad ’n an deann-ruith. Cha robh ni b’ fheàrr ri deanamh ach do na h-oifigearaich iad fein a chur air ceann a’ mheud ’s a bha ri fhaotainn de dh’ fhogaraich, agus an casan a thoirt as cho luath ’s a dh’ fhaodadh iad. Cha do lasaich iad an ceum gus an do rainig iad Berwick. Anns a’ bhaile so co bha feitheamh air Cope ach an Tighearna Mark Ker a chuir fàilte air gu sgaileasach ag ràdh—“Is e mo bharail gur tu a’ cheud cheann-feadhna ’s an Roinn-Eòrpa a’ ghiùlain a’ cheud theachdaireachd mu ’ruaig féin. Anns an eadar am bha iadsan a chaidh fhàgail leònta air achadh an àir air an eiridinn gu tròcaireach leòsan a bha buadhar. Chuir am Prionnsa teachdaire gu Dùn-éideann an toir air leighichean is luch-eiridinn, agus cha b’ ann gun eagal ’s gun chùram a bha leithid de thuras, ’s a leithid de fhògaraich ’s a’ choimhearsnachd. Ach fhreagair an turas an sgaoimire òg Lawrence Oliphant. Aig àite ris an abrar Tranent chuir e fhein ’s a ghille an ruaig air grunnan dragoons a bha teicheadh le ’m beatha. Thachair an lasgaire so air h-aon no dhà de na dragoons, thug e uapa an airm ’s chuir e na h-eich air ais le balach buachaille, a’ dh’ ionnsaidh a’ Phrionnsa. A’ dol a stigh do ’n bhaile mharcaich e gu luath troimh na sraidean a’glaodhaich, “Buaidh! Buaidh!” Ann an tiota bha na h-uinneagan ’s an t-sràid aird [TD 149] an togail agus cinn aosda le curraicean geala ri fhaicinn aca. Bha na sràidean làn sluaigh ’s iad ri caithream ’s làn aigheir. Leum an lasgaire as an diollaid aig tigh-osda ’s an Lawn Market, dh’ òrdaich e biadh is deoch dha fhein, agus chuir e teachdaire a dh’ iarraidh luchd-riaghlaidh a’ bhaile a sparradh orra gu ’n robh na geatachan ri bhi air an dunadh air gach fògarach. Gu diùididh, le ’m boineid ’nan laimh, thàinig an luchd-riaghlaidh a dh’ fheitheamh aire gille-gnothaich a’ Phrionnsa. Am meadhon an seanachais glaodh cuideigin gu ’n robh dragoons agus saighdearan a’ tighinn a nios an t-sràid. A mach ghabh gille-gnothaich a’ Phrionnsa, ghairm e air a’ mharc-shluagh stad agus geilleachdainn ann an ainm a’ Phrionnsa. Bha de dh’ eagal orra gu ’n robh iad toileach sin a dheanamh. Thog h-aon a mhàin a ghunna a losgadh air an lasgaire dhàna so. Fhreagair esan le dhag a chur ri broilleach an oganaich, ach cha robh urchair innte. Ann an tiota chaidh sè urchairean a losgadh air gille-gnothaich a’ Phrionnsa, ach bha cuimse nan saighdearan cho claon ’s nach d’ éirich beud do dhuine. Dhiùlt fear-gleidhidh a’ Chaisteil na fògaraich a leigeil a stigh air a’ gheata; ’s ann a bhagair e losgadh orra mar luchd-teichidh o ’n arm, agus b’ fheudar dhaibh togail orra agus marcachd gu Sruibhle. Dh’ iomain oifigeach eile de dh’ arm a’ Phrionnsa, grunnan dragoons air thoiseach air a h-uile ceum do Dhùn-éideann agus shàth e a [TD 150] bhiodag—dearg le fuil—ann an geata a’ Chaisteil mar dhùlan. ’S ann cianail thar tomhas a bha ’n sgeul mu oganach gaisgeil a mhuinntir Siorramachd Pheairt. Lean Dàibhidh Thriepland agus dà gille bha leis buidheann dragoons fad dà mhile air an ruaig, ’s cha do theann iad ri tilleadh. Mu dheireadh mhothaich na dragoons nach robh ach triùir ’n an deigh, agus a’ tionndadh orra gheàrr iad sìos iad le ’n claidheamhan. Moran bhliadhnachan ’na dheigh so, ’n uair a bha am feur uaine air fad thairis air uaigh Dhaibhidh Thriepland, dh’ eisd giullan beag d’ am b’ ainm Walter Scott, ’s e ’na shuidhe air an uaigh, seana bhean chòir ag aithris mar chunnaic i le ’sùilean féin an gille òg tapaidh so air a chur gu bàs. An ath-latha, Di-dòmhnaich, chaidh am Prionnsa le greadhnachas troimh Shraid Aird Dhùn-éideann. Seachad air ghluais fine an deigh fine le ’m breacain, ’s le ’m boineidean gorm, ri ceòl tartarach na pioba, a bha gu caithreamach a’ seirm dùlain cho math ri buaidh. As gach uinneig àird air dà thaobh na sràide bha aghaidhean bòidheach a’ coimhead orra, ’s iad uile a’ caitheamh suaicheantas bàn (cockade), ’N an iollach loisg gach Gàidheal urchair fhudair anns an speur. Gu mi-shealbhach thuit do pheileir a bhi ann am musg fir dhiu agus shuath e mala mnatha uasail àiridh d’ am b’ ainm “Miss Nairne,” a’ ròchladh a’ chraicinn. “Taing do ’n Agh, gur ann dòmhsa thachair so, tha fhios aig an t-saoghal co ’n taobh air a bheil mi,” ars’ am [TD 151] boirionnach gleusda so. “Na ’n do thachair e do thé air an taobh eile theirteadh gu ’n d’ rinneadh le deòin e.” VI. Air an rathad gu Derby. CHA bu chòir do dh’ arm buadhmor, gu sònraichte arm ceannairceach, anail a ghabhail air an turus. Na ’n do lean Teàrlach ’s na Gàidheil air an aghaidh leis an làn a bha ’nan sgiathan, gus an d’ ràinig iad ceann tuath Shasuinn chitheadh iad nach robh uidheamachadh air bith air a dheanamh chum an tilleadh anns na Siorramachdan mu thuath. Eadhon an deigh do Righ Seòras agus a luchd-rìaghlaidh an t-eagal a ghabhail ’n uair a ràinig fios iad mu ’n chath a chaidh a chur aig Preston, chaidh mios seachad mu ’n do ràinig arm fo ’n Cheannard Wade an Caisteal-Nodha deireadh an fhoghair. Chaidh an t-arm a ghairm dhachaidh as an Roinn-Eòrpa, agus chaidh reiseimeadan a thogail air an dùthaich, ged nach robh sùil aig duine gu ’n robh de mhisneach aig a’ Phrionnsa ’s na Gàidheil na bheireadh thairis air a’ chrich eadar Albainn is Shasuinn iad. Gus a so cha d’ fhuair Teàrlach ach glé bheag misnich bho a chàirdean ann an Sasunn. Air a shon sin uile bha Teàrlach earbsach gu ’n eireadh iad leis a dh’ aona bheum ’s a dh’ aona bheachd [TD 152] ’n uair a rachadh e do Shasunn. An latha an déigh cath Phrestonpans chuir am Prionnsa teachdairean do Shasunn gu a chàirdean, a dh’ innseadh dhaibh mar a thachair agus ag iarraidh orra a bhi deas gu eirigh leis. B’ fheudar do Theàrlach fuireach tacan ann an Dùn-éideann gus am biodh arm aige na bu mhotha na bha e, oir an deigh a chath rinn moran de na saighdearan fhàgail. Bha e ’na chleachdadh aca ’n uair a thruiseadh iad de ’n chreach na bha ’n an comas a ghiùlan, rathad an fhraoich a ghabhail dhachaidh agus an eallaichean fhàgail aig an tigh. Latha bha sin chunnacas Gàidheal foghainnteach a’ triall sraidean Dhùn-éideann mar gu ’m biodh an stùrdan air agus sgàthan air a mhuin cho mor ri leth doruis; agus chiteadh balaich leth-ruisgte a bhuineadh do dh’ arm a’ Phrionnsa le clogaidean dealrach, is bòtainnean gu ruig an glùintean. Thòisich teaghlachan Gallda air eirigh leis a’ Phrionnsa, ’nam measg an seana bhaothaire an Tighearna Pitsligo. Bha e air ceann buidhinn de mharc-shluagh ged a bha e cho sean ’s gur gann a b’ urrainn e suidhe direach anns an diollaid. Ann an Siorramachd Abar-eadhainn—a bha daonnan Easbuigeach, agus dìleas do na Stiùbhairtich—thog an Tighearna Luthais Gòrdan buidheann eireachdail; ann an Siorramach Pheairt dh’ eirich fine Thighearna Oigilbhi ’s e fhein air an ceann, ach cha d’ ràinig an da bhuidheann so Dùn-éideann ann an am gluasad le càch do Shasunn. Cha robh e [TD 153] comasach eadhon do dh’ arm Gàidhealach, cruadalach ’s mar bha iad, triall air a leithid de thuras ann am meadhon a’ gheamhraidh, do dhùthaich naimhdeil gun uallachadh mor. Thug baile Dhùn-éideann dhaibh brògan agus pailliunan agus cha robh each anns a’ choimhearsnachd nach tug iad leotha. Air a’ cheud latha de cheud mhios a’ gheamhraidh ghluais an t-arm, mu àireamh shè mìle, a’ toirt an aghaidh air Sasunn. Bha an Tighearna Seòras Morraidh air ceann aona bhuidhinn, a ghiùlan leotha bathar nach robh gann, bha am Prionnsa e féin air ceann na buidhne eile. Bha iad a’ cumail a mach a bhi deanamh air a’ Chaisteal-Nodha, ach dh’ atharraich iad an cùrsa ’n uair ràinig iad Sasunn. B’ ann air an ochdamh latha a chaidh iad thar a’ chrich. Tharruing gach Gàidheal a chlaidheamh agus dh’ eirich iollach ard a dhuisg am mac-talla Sasunnach. Gu mi-shealbhach ghearr Loch-iall a lamh an àm a bhi tarruing a chlaidheimh as an truaill, agus ’n uair a chunnaic na Gàidheil an fhuil dhearg mheas iad so ’na dhroch mhanadh. Ach bha ’n Sealbh fhathast air taobh a’ Phrionnsa. ’S e baile làidir a bh’ ann an Carlisle, agus ged nach robh mòran shaighdearan taobh a stigh de ’bhallachan bha na bh’ ann dhiu lan misnich. Có bu phrobhaist ’s a’ bhaile aig an àm ach duine làn spaglainn d’ am b’ ainm Pattison, agus bha mhiann air a cheud ghrabadh a chur air a’ Phrionnsa ’s air a chuid dhaoine, agus chuir e sgriobhadh air na [TD 154] ballachan ag ràdh gu h-uailleil—“Cha ’n Albannach mi ’s cha Phaterson mi, ach fior Shasunnach d’ an ainm Pattison, agus dionaidh mi am baile a dh’ aindeòin co theireadh e!” Thogadh sgeul breige gu ’n robh Wade a’ tighinn orra o ’n airde ’n iar, agus thug so air Teàrlach a chùrsa atharrachadh agus dol rathad Bhrampton ann an dòchas coinneachadh ris, ach bha na rathaidean garbh, an aimsir fuar, fliuch, agus an seann laoch Wade air bheag treòir; agus mar so cha do choinnich Teàrlach a nàmhaid. Mu ’n àm so bha buidheann de ’n arm an deigh tilleadh gu Carlisle agus a’ séisdeadh a’ bhaile gu gramail. Bha an Tighearna Seòras Morradh agus Diùc Pheairt ri fhaicinn as an léintean a’ gearradh chlaisean ’s a’ togail bhallachan tobhta. ’N uair a chunnaic probhaiste bragail Charlisle—an Sasunnach nach géilleadh—gu ’n robh iadsan a bha air taobh a mach nam ballachan ann an da-rìreadh, is ’nuair chual e na peilearan a’ feadaireachd m’ a chluasan, air an treas-là-deug chuir e suas a bhràtach bhàn agus gun ghuth mor, gun dhroch fhacal chaidh arm a’ Phrionnsa a stigh agus ghabh iad seilbh air a’ bhaile. Bha a’ bhuaidh so cho h-obunn agus cho iomlan ris na buadhan a bh’ aca roimhe so. Ach eadhon aig an uair so cha robh iad gun droch mhanadh. Aig séisdeadh Charlisle bha an t-arm fo chomannda Diùc Pheairt, agus chuir so dorran air an Tighearna Seòras Morradh a bu sine, ’s a b’ fhaide [TD 155] ’san arm na ’n Diùc. ’S e bh’ ann gu ’n do sgriobh an Tighearna Seòras Morradh a’ toirt a suas a chomannda ach ’g a thairgse féin mar shaighdear. Ghabh Teàrlach ris an litir, ach dh’ eirich iomagain nach bu bheag am measg nan ceann fine ’n uair chual iad gu ’n robh a leithid de shaighdear gaisgeil agus de dh’ oifigear comasach a’ fàgail àite aig ceann an airm. Thigeadh gnothaichean gu aona cheann aig an àm mur a bhiodh gu ’m faca Diùc Pheairt mar a bha cùisean a’ seasamh, agus thug esan cuideachd a suas ’àite. Na bu mhi-shealbhaiche na eadhon so bha a’ chùis gu ’n robh iad a nis còrr agus seachdain ann an Sasunn ’s nach d’ éirich duine leotha. A dh’ aindeoin so uile cha do leig Teàrlach a sìos a mhisneach. Nach robh an roinn mhor Lancashire roimhe, anns an robh a chàirdean lìonmhor. Aon uair ’s gu ’n ruigeadh e an roinn so cha b’ eagal dha, oir dh’ eireadh na ceudan leis. Bha an rathad eadar Carlisle agus Preston a’ ruith troimh dhùthaich luim, fhuair, chlachaich a bha glé dhuaichnidh ann an laithean goirid agus ann an oidhcheannan fada geamhraidh. Dh’ fhuiling Teàrlach gach cruadal le chuid shaighdearan. Bha carbad aige, ach ’s ann ainmig a chuir e chas ann. ’S e an Tighearna Pitsligo a bu trice ’bha r’ a fhaicinn ann. Le sgiath thar a ghualainn, choisich e leis an arm, a’ conaltradh ris na Gàidheil anns a’ bheagan Gàidhlig a bh’ aige, Is ann ainmic a shuidh e gu trath bìdh—bha aon trath [TD 156] math aige ’s an fheasgar agus ’na dhéigh sin luidheadh e sios gun ’aodachd a chur dheth, agus bha e air a chois mu cheithir uairean ’s a’ mhaduinn. Cha b’ ioghnadh ged a bha na Gàidheil pròiseil mu “Phrionnsa a dh’ itheadh aran tioram, a chaidleadh air seideig chònlaich, shluigeadh a thràth ann an ceithir mionaidean ’s a bhuidhinneadh batailt ann an còig.” A’ dol thairis air àite ris an abrar Shap Fell, bha e cho sgìth agus cho fuar ’s gu ’m b’ fheudar dha greim a chumail air crios gualainn an fhir a bha r’ a thaobh, agus mar so choisich e mìltean s e na thurra-chadal. Aig am eile chaith e toll air gearra-bhuinn a bhrògan, agus a’ dol troimh bhaile beag chaidh e stigh do cheàrdach a bha sin agus thug e air a’ ghobhainn bonn tana de dh’ iarrunn a chur air h-aon de bhrògan. “’S e mo bheachd,” ars esan ris a’ ghobhainn, ’s e ’g a phàigheadh, “gur tu a’ cheud ghobhainn a chrùdh mac righ.” Ré an turais so cha d’ éirich na càirdean leis a’ Phrionnsa ris an robh sùil aige. Bha sluagh nam bailtean troimh ’n do mheàrs an t-arm ag amharc orra le fiamh is ioghnadh, agus le fuath nach bu bheag. Latha bha sin ’n uair a bha Loch-iall a’ dol do ’n tigh ’s an robh e tuineachadh ann am baile beag an Sasunn chual e gu ’n do chuir bean-an-tighe a’ chlann am falach ann an seòmar beag uaigneach, air eagal gu ’n rachadh an itheadh leis na Gàidheal—air an do thogadh sgeul gu ’m biodh iad ag itheadh cloinn! [TD 157] Bha baile Phreston ’na àite mi-shealbhach leis na Gàidheil. Anns a’ cheart bhaile so, deich bliadhna fichead roimhe so, fhuair an luchd-dùthcha droch sgiùrsadh, agus cha robh arm a’ Phrionnsa idir earbsach nach tachradh mi-fhortan dhaibh anns a’ cheart àite. B’ e Manchester an t-ath àite anns an robh na Gàidheil ri anail a ghabhail, agus bha cùisean ag amharc na bu soilleire. Chaidh oifigear d’ am b’ ainm Dickson a stigh do ’n bhaile air thoiseach air an arm, agus caileag bhòidheach is gille beag r’ a thaobh ’s iad a’ bualadh druma. Chaidh iad feadh nan sràidean a’ togail shaighdearan agus dh’ eirich mu fhichead leotha. Anns a’ bhaile so bha grunnan de chàirdean Theàrlaich; agus anns an eaglais Di-dòmhnaich bha bannal ghruagaichean ri fhaicinn le tonnagan breacain ’s le suaicheantas bàn, agus ghuidh am ministeir a bha ’s a chrannaig soirbheachadh do ’n Phrionnsa. Am measg nan oifigeach a bha air ceann na buidhne big a dh’ eirich leis a’ Phrionnsa ann am Manchester bha triùir bhraithrean d’ am b’ ainm Deacon, mic ministeir a bh’ air taobh a’ Phrionnsa, agus a choisrig iad do dh’ aobhar a’ Phrionnsa. Bha oifigeach eile, d’ am b’ ainm Syddel—fear deanaidh ghruag, leis am bu chuimhne, ’s e ’na ghiullan, athair a bhi air a chrochadh a chionn gu ’n robh e air taobh Sheumais, athair a’ Phrionnsa, ann an 1715. Bhòidich an giullan gu ’m biodh dioghaltas aige uair eigin agus bha e cumail fhacail, B’ e Man- [TD 158] chester an t-aon àite ann an Sasunn a nochd eud air bith ann an aobhar a’ Phrionnsa; ach cha d’ eirich leis anns a’ bhaile so ach beagan cheudan agus cha do chuir am baile ’na sporan ach mu thri mìle punnd Sasunnach. Bha an suidheachadh anns an robh arm a’ Phrionnsa nis ’na aobhar cùraim do na ceannardan. Cha robh nì ann an aire a’ Phrionnsa ach gu ’n robh gach latha ’g an tabhairt na bu dluithe air Lunnainn. Air an latha mu dheireadh de mhìos deireannach an fhoghair ghluais iad á Manchester. Aig Stockport chaidh iad troimh ’n abhainn Mersey; is a’ dol troimh ’n àth bha an t-uisge suas gu meadhonan a’ Phrionnsa. Aig bruach na h-aibhne thachair grunnan uaislean am Prionnsa. ’Nan cuideachd bha seana bhean uasal, Mrs. Skyring. Bha cuimhn’ aice, ’s i ’na caileig bhig, air a mathair ’g a togail air a gualainn a dh’ fhaicinn Teàrlach II. a’ tighinn air tìr aig Dover. Bha bàigh mhór aig a pàrantan do na Stiùbhartaich, agus neo-ar-thaing mur robh aig an nighin. Ré iomadh bliadhna bha i cur air leth darna leth a tighinn a stigh agus ’ga chur a dh’ ionnsaidh an teaghlaich rioghail anns an Fhraing, ach gu ’n a bhi gabhail orra co bha ’g a chur g’an ionnsaidh. An dràsd reic i gach seud is riomhadh a bh’ aice, agus thainig i nis ’g a thairgse mar iobairt do Phrionnsa Teàrlach. Le sùilean air an robh sgleò na h-aoise, dhearc i air Teàrlach, agus le a làmhan cridheanach ghlac i [TD 159] lamh a’ Phrionnsa, agus a’ coimhead gu dùrachdach ’na aodann thubhairt i—“A nis, a Thighearn, a ta thu leigeadh do d’ sheirbhiseach siubhal an sìth.” Bha na Gàidheil a nis ann an Sasunn—gu ruig a’ mheadhon—agus gus a so cha do thachair nàmhaid orra, ach a nis bha iad a’ bagairt air gach taobh dhiubh. Chaidh aig an t-seana chailleach sin Wade, ged nach robh e gluasad ach air a mhìn shocair, air tighinn gu mar asdar thri làithean dhaibh, agus a’ tighinn orra an rathad eile bha feachd lionmhor—mu dheich mìle—fo chomannda Diùc Chumberland. Bha esan ’na cheannard treun agus bha ’n t-arm a bha fo chomannda cleachdta ri cogadh. Mu dheireadh thall mhosgail luchd-riaghlaidh Shasuinn agus chunnaic iad gu ’n robh cunnart a’ tighinn teann orra, ged a bha iad caoin-shuarach cho fada ’s a bha ’n iorghuill mu thuath de Shasunn. ’N uair a rainig an sgeul Lunnainn gu ’n robh Teàrlach ’s na bha ’na lorg air tighinn cho fada deas ri Manchester, chaill muinntir Lunnainn an ciall gu buileach. B’ fheudar na bùithean a dhùnadh, thoisich gach h-aon air ’airgiod a tharruing as an Tigh-thasgaidh, agus tha e air a ràdh gu ’n do chuir Righ Seòras gach ni bu luachmhoire na chéile air bòrd air luingeis a bha am beul na h-aibhne, agus gu ’n robh e fhéin deas gu teicheadh air bòrd na ’n tigeadh do chùisean a bhi cruaidh. B’ e Diùc Chumberland as a chuid armachd an t-aona cnap-starraidh eadar Teàrlach agus Lunnainn. Rinn an Tighearna Seòras Morradh a suas [TD 160] ’inntinn leis an teòmachd sin a bhuineadh dha, gu ’n sèapadh e seachad air Cumberland mar a shèap e cheana seachad air Wade. ’N uair a ghluais am Prionnsa le buidhinn de ’n arm ’s an aghaidh ri Derby threoraich an Tighearna Seòras Morradh a’ bhuidheann mar gu ’m biodh iad a’ dol an coinneamh Diùc Chumberland. Chaidh an ceannard sin, teòma agus gleusda ’s mar bha e anns an riob a chaidh a leagail cho seòlda air a shon, oir ghluais e le chuid feachd gu àite ris an abrar Congleton a thachairt air an arm Ghàidhealach. Mu dhà uair ’s a mhaduinn, air an dara là de mhios deireannach na bliadhna, shèap an Tighearna Seòras Morradh agus na Gàidheil air falbh anns an dorchadas agus a’dol tarsuing na dùthcha, rinn iad a suas ris a’ Phrìonnsa aig àite ris an abrar Leek, a tha mu asdar latha gearr air Derby. Leis na cuilbheartan seòlda so fhuair na Gàidheal astar latha air thoiseachd air Cumberland, air an rathad do Lunnainn. Air a’ cheathramh latha de ’n mhios chaidh an t-arm aig a’ Phrionnsa a stigh do Dherby. An so chuala Teàrlach an sgeul taitneach a Albainn gu ’n do ràinig an Tighearna Iain Drummond baile Mhont-ròis le mìle saighdear Frangach, airgiod, agus armachd. Bha a’ ghrian air éirigh air gun teagamh. Bha e nis làn chinnteach a cuideachadh na Frainge, ach cha tug e ’n aire gu ’n robh sluagh Shasuinn aon chuid ’na aghaidh, no coma co dhiu. Bha e ’m beachd na ’n tigeadh e gu buillean gu ’n [TD 161] robh moran a dh’ fhàgadh an t-arm dearg agus a thigeadh ’g a chuideachadh. Bha an rathad do Lunnainn agus do rìgh-chathair athraichean réidh fa chomhair! An oidhche sin thoisich Teàrlach air comhairle a chàirdean a ghabhail ciamar a bu chòir dha dol a stigh do Lunnainn gu buadhar. Am bu chòir dha bhi anns an éideadh Ghàidhealach no ann an éideadh nan Sasunnach? Am bu chòir dha marcachd a stigh no dol air chois? Cha ’n ’eil fhios an tug e ’n aire cho beag sunnd ’s a bh’ air a chuideachd ’n uair a bha esan cho ait. Feumar a ràdh gu ’n robh an t-arm leis, oir bha iadsan an geall air Lunnainn fhaicinn. Air a’ chòigeamh latha de ’n mhios rinn moran dhiu an claidheamhan ’s am biodagan a gheurachadh, agus ghabh iad an Comanachadh anns na h-Eaglaisean, oir bha iad a’ faicinn gu ’n robh cath teann orra. Air an ath mhaduinn ghairmeadh comhairle-cogaidh. Bha Teàrlach an deigh air uidheamachadh gu aghaidh thoirt air Lunnainn gun mhoille. Shaoil leis gu ’n robh buaidh ’na ghlaic. Dh’éirich an Tighearna Seòras Morradh agus a’ labhairt air son chàich chomhairlich e tillidh dhachaidh gu Albainn gun dàil! Bha arm air gach taobh dhiu agus bha an treas arm a dol fo uidheam a dhion Lunnainn. An aghaidh deich mìle fichead ciod a b’ fhiach cóig mìle? Cha robh earbsa ’sam bith aige as na Frangaich a thàinig a nall; agus càirdean Theàrlaich, a shaoil leò bhi lionmhor ann an Sasunn gus a so cha ’n fhacas iad. “Seach dol air [TD 162] m’ ais b’ fheàrr learn a bhi air mo chur fichead troidh fo thalamh,” labhair Teàrlach ’s e fo bhuaireas mor. Reusonaich, dh’ òrdaich, agus ghuidh e air na cinn fineachan, ach cha tug e tilleadh asda agus chaidh aontachadh gu ’n tugadh iad an aghaidh air Albainn aig briste na fàire. Thug an t-òrdugh so a’ mhisneach bho Theàrlach agus bhrist e ’chridhe; agus cha ’n fhacas riamh ’na dheigh so e a’ dùsgadh misneach nan saighdearan. Moch air maduinn dh’ eirich e fo ghruaim agus lean e ’n t-arm ’s e fo smuilc. Shaoil leis an arm gur ann a bha iad a’ dol air toir Diùc Chumberland. ’N uair a thàinig solus-latha thuig iad gu ’n robh iad a’ tilleadh an taobh a thàinig iad dà latha roimhe sin gu h-aotrom misneachail, agus bha iad brònach agus feargach. “Na ’m b’ e toil Dhé e,” arsa gaisgeach de Chloinn Dòmhnuill, “rachadhmaid air ar n-aghaidh ged a ghearradh sìos sinn air fad, ’n uair a bha sinn ann am misneach agus ann an culaidh gniomh a dheanamh air son ar Prionnsa agus an aobhair ghlormhoir a ghabh sinn as laimh.” Dh’ oibrich am mì-earbsa a chaidh a dhùsgadh ann an inntinn Theàrlaich a thaobh an Tighearna Seòras Morradh olc nach bu bheag ’na dhéigh so. [TD 163] VII. An Ruaig. THEAGAMH nach cualas riamh iomradh air ruaig cho brònach ri ruaig nan Gàidheal á Sasunn. Saighdearan nach do thionndaidh an cùlaibh riamh ri nàmh a’ teicheadh gu dian troimh dhùthaich choimhich. Bha an ruaig á Sasunn cho luath agus cho uaigneach gu ’n robh na Gàidheil da latha air ghluasad mu ’n robh Diùc Chumberland cinnteach gu ’n robh iad air gluasad, Chaidh e air an tòir le marc-shluagh ach cha do rinn iad suas orra gus an ochdamh-là-deug, agus bha am Prionnsa ’s a luchd-leanailt aig an àm sin am fàsaichean Chumberland. A’ meas gu ’n robh e mar fhiachaibh air amharc as deigh cor an airm, chuir an Tighearna Seòras Morradh a’ cheud bhuidheann air thoiseach air fo chomannda a’ Phrionnsa, agus dh’ fhuirich e fein leis an darna buidhinn a dh’ amharc as deigh na trealaich a bhuineadh do ’n arm. Ann am fearann cnocach, cnapach, ceann tuath Shasuinn cha bu ghnothach suarach gluasad leis an trealaich so. Cha robh e farasda na cairtean-mora a tharruing a suas na bruthaichean cas, agus cha tugadh tuath na dùthcha cuideachadh dhaibh. Mu dheireadh bha aig a’ cheannard ri se-sgillinn a phaigheadh airson a h-uile peilleir a rachadh a ghiùlan thar nam monaidhean. Bha am Prionnsa aig Penrith air an t-seachdamh-là-deug, ach dh’ fheum an Tighearna [TD 164] Seòras Morradh fuireach se mìle mu dheas dhe so. A’ gluasad aig briseadh na fàire air an ochdamh-là-deug ràinig e clachan ris an abrar Clifton ’n uair a bha ghrian ag éirigh. Bha buidheann de mharc-shluagh a’ cuartachadh a’ chlachain; rinn na Gàidheil a leithid de shodan ri namh fhaicinn aon uair eile, agus a’ tilgeil uapa am breacain chaidh iad ’nam bad, agus chuir iad an teicheadh orra ann an tiota. Am measg nam prìosanach a ghlac iad bha gille-coise Diùc Chumberland a dh’ innis dhaibh gu ’n robh an Diùc agus mu cheithir mìle marc-shluagh gu teann air an lorg. ’N uair chuala an Tighearna Seòras Morradh so rinn e suas inntinn fuireach far an robh e, oir bha fhios aige gu ’m b’ fheàrr dhaibh aghaidh thoirt air an namh na leigeil leò tighinn air an culaibh. Bha buidheann mhath de Chloinn-Dòmhnuill agus de na Stiùbhartaich leis, cho math ri grunnan gaisgeil de Chloinn-a’-Phearsain fo chomannda Chluainidh, agus chuir e iad so a dhìon drochaid a bha teann air a’ chlachan. Bha an rathad-mor a’ ruith eadar balla air an darna taobh agus achaidhean le callaidean àrda is dìgean domhain eadar iad ’s an rathad-mor. Mar so bha e ’na chomas saighdearan a shuidheachadh fo dhion ’s fo fhasgath. Aig ciaradh an fheasgair chual e gu ’n robh na saighdearan Sasunnach dol a chur seachad na h-oidhche air sliabh a bha mu mhile gu deas dhiu. Chuir e cuid de na saighdearan a choimhead air nan Sasunnach, aig àite anns am faicteadh an cinn ’s an guaillnean thairis air mullach na [TD 165] callaid, agus thug e orra gluasad a sios ’s a suas uair is uair a thoirt air na Sasunnaich a chreidsinn gu ’n robh iad cho lìonmhor ris na meanbh-chuileagan. ’N uair a thàinig an dorcha chaidh na Gàidheil a chur an òrdugh air cùl nan callaidean ’s nam ballachan; agus sheas an Tighearna Seòras Morradh agus Cluainidh le claidheamh tarruingte air an rathad-mhòr. Bha gach duine a’ cumail air ’anail, ’s e deas gu dol am bad an namh na ’n tigeadh e. Ged a bha ghealach air éirigh, bha an oidhche baidealach dorcha, ach ’n uair bha ’ghealach a’ gluasad eadar dà bhaideal chunnaic an ceannard buidheann dhaoine a’ gluasad air an rathad. “Ciod is feàrr a dheanamh?” ars’ esan, os iosal, ri Cluainidh. Gu h-ealamh thàinig an fhreagairt—“Abair am facal, agus theid mise ’nam bad le m’ chlaidheamh rùisgte.” Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann thàinig dairireach o’n arm Shasunnach a dh’ fhuasgail a’ cheisd. “Cha ’n ’eil ùine ri chall,” arsa an ceannard Seòras Morradh, “feumaidh sinn dol ’nam bad,” agus ag eigheach an cath-ghairm “Claidheamh-mor,” chaidh e troimh ’n challaid—a’ call a bhòineid ’s a ghruaig. Lean na Gàidheil e agus b’ fheudar do na Sasunnaich tilleadh an taobh a thàinig iad. Rinn na Stiùbhartaich agus Clann Dòmhnaill Ghlinne Garradh a cheart leithid air buidhinn eile a thàinig an taobh a bha iadsan. Lean mu dhusan do na Gàidheil an nàmhaid gu ruig an campa Sasunnach, agus gu mi-fhortanach chaidh an cuartachadh agus an gearradh sìos. [TD 166] Chaill na Sasunnaich moran dhaoine anns an ionnsaidh so. Cha do chuir Diùc Chumberland dragh a rithis air na Gàidheil, aig an àm so, oir thuig e ciod a bu chiall do ionnsaidh bho ’n arm Ghàidhealach. Dh’ fhàg Teàrlach grunnan beag ann an Carlisle a dhìon a’ bhaile, ’n uair a bha e air a rathad mu dheas, ach lean iad sin a nis an t-arm a bh’ air an rathad mu thuath. Cha robh iad a’ faicinn gu ’m b’ fhiach dhaibh fuireach anns a’ bhaile na b’ fhaide; oir bha fhios aca gu ’n rachadh a ghlacadh gu ’n dàil leis na Sasunnaich. Mu dheireadh thairg a’ bhuidheann a chaidh a thogail ann am Manchester, gu ’n dionadh iadsan am baile car tacan co dhiu, oir gu ’n robh e cho math dhaibh a bhi air an crochadh an Sasunn ri dol bàs ann an Albainn. Bha tuil ann an abhainn Esk aig an am ’s i ruith gu bras. Tha dòigh air leth aig na Gàidheil air dol troimh abhainn domhain shiùbhlaich. Seasaidh iad gualainn ri gualainn le gàirdean an darna fir toinnte gu teann ann an gàirdean an fhir eile, agus mar so gheibh iad gu sàbhailte thairis. ’N uair a bha Teàrlach a’ dol troimh ’n àth ’s e air muin eich, chunnaic e aon de na Gàidheil air a ghiùlan bharr a chasan leis an t-sruth agus ann an cunnart a bhi air a bhàthadh. Chrom am Prionnsa ’s rug e air bhad mullach cinn air ’s ghlaodh e, “Cobhair, cobhair!” Bha iad a nis aon uair eile air fonn Albannach agus b’ i cheisd: c’ àite ’n robh iad ri dol a nis? [TD 167] Cha bu luaithe dh’ fhàg am Prionnsa Dùn-éideann na chaidh am baile air ais gus an taobh air an robh iad mu ’n d’ thàinig am Prionnsa. Bha am baile làn de na saighdearan dearga agus mar sin cha robh math dhaibh an aghaidh a thoirt air bhaile Dhùn-éideann. Rinn iad suas an inntinn gu ’n tugadh iad a’ Ghàidhealtachd orra, a’ dol rathad na h-àirde ’n iar. Bha baile Dhumfries ann am meadhon dùthaich nan Cùmhnantach a bha daonnan, mar bu dual daibh, an aghaidh nan Stiùbhartach. Dà mhìos roimhe so ’n uair a bha an t-arm Gàidhealach a’ dol mu dheas dh’ fhuiling iad spùinneadh fo mhuinntir a’ bhaile so. An éirig so chaidh am Prionnsa le arm do Dhumfries agus leag iad cìs nach bu bheag air a’ bhaile. Bha probhaist a’ bhaile, fear d’ a ’m b’ ainm Carson, comharraichte air son a ghamhlas do na Stiùbhartaich. Thugadh rabhadh dha gu ’n robh a thigh ri bhi air a chur ri theine, ach cha do giùlan iad a mach na bhagair iad. Bha caileag bheag aig a’ phrobhaist, mu shè bliadhna dh’ aois aig an am; agus ’n uair a bha i ’na seann bhoirionnach, dh’ innis i do ’n Ridire Bhaltar Scott gu ’n robh cuimhn’ aice air a bhi air a giùlan a mach as an tigh ann an gàirdean oifigich Ghàidhealaich. Dh’ iarr i air am Prionnsa a chomharrachadh a mach dhi. ’N uair a tha arm air allaban re dà mhìos anns a’ gheamhradh is dùth dhaibh a bhi gu math luideach; thachair so do ’n arm Ghàidhealach a bha [TD 168] leth-ruisgte, gun chaisbheart o thoiseach. Bha na saighdearan—cha robh ann ach mu cheithir mìle dhiu a nis—a ràinig baile Ghlaschu air maduinn na Nollaige, gun bhad slàn air a h-aon dhiu, ’s a chuid a bu mhotha dhiu ceann-ruisgte, cas-ruisgte. Bha am baile ainmeil agus beartach so cho fuathach air na Stiùbhartaich ’s a bha muinntir bhaile Dhumfries, ach b’ i ’n eiginn s cha b’ e gamhlas a thug air a’ Phrionnsa cìs throm airgid a thogail cho math ri dà-mhìle-dheug léine, se mìle osan agus se mìle bhròg. Thriall am Prionnsa le armachd gu Sruibhle ’s bha cùisean ag amharc ni b’ fheàrr. Chruinnich leis ann an so buidheann á Abaireadhain fo chomannda an Tighearna Luthais Gordon, reiseimeid Thighearna Srath Ailein, agus a’ bhuidheann a thàinig as an Fhraing, a bha fo chomannda an Tighearna Iain Druman. Air ceann a cheile bhiodh a nis mu naoi mìle ann an arm a’ Phrionnsa. Cha do lean Diùc Chumberland an ruaig ni b’ fhaide na Carlisle oir fhuair e fios á Lunnainn gu ’n robh na Frangaich a’ bagairt a bhi nall, agus thill e air ais gu Lunnainn cho luath ’s a dh’ fhaodadh e. ’Na àite chaidh an ceann-feachd Hawley a chur a nuas do dh’ Albainn agus bha e nis ann an Dùn-éideann ’s mu ochd mìle fear fo chomannda. Fhuair e theagasg-airm bho Dhiùc Chumberland, agus mar bu dual da bha e cruaidh air a chuid shaighdearan agus neo-thruacanta d’ a naimhdean. Bha e ’na dhuine spaglainneach bòsdail [TD 169] agus bha e ’g amharc le tàir nach bu bheag air an arm Ghàidhealach a dh’ aindeoin na chual e mar a rinn iad air a’ cheann-feachd Iain Cope. Air an t-seathamh-là-deug ghluais Hawley a mach á Dùn-éideann le chuid dhaoine ’s e am beachd gu ’m biodh a’ bhuaidh aige gu farasda. Bha an Tighearna Seòras Morradh aig Gleann-iuch agus shnàg e air falbh ’n uair a thàinig na saighdearan dearga ’na aghaidh aig a’ cheart am ghabh e beachd air an aireamh ’s an cor. Air a’ chòigeamh-là-deug, agus air oidhche an t-seathamh-là- deug bha an dà arm ’nan laidhe mar sheachd mìle d’ a cheile, arm a’ Phrionnsa aig Bannockburn, agus na saighdearan dearga aig an Eaglais-bhric. Bha soillse an dara campa ri fhaicinn o ’n champa eile. Bha cho beag meas aig Hawley air na Gàidheil mar luchd-cogaidh gu ’n robh e cur seachad na h-ùine a chasachd, ’s ri faoineis. Bha a’ bhean uasal gheur, Baintighearna Cille-màrnog a’ fuireach anns a’ choimhearsnachd. Bha a fear-pòsda le arm a’ Phrionnsa agus b’ e rùn diomhair a cridhe gu ’m biodh a’ bhuaidh le Teàrlach. Le a sodal teòma, ’s le a h-aoidheachd chuir i fo gheasaibh an ceannard Sasunnach a bha cur seachad a làithean na tigh, gus mu dheireadh an do dhi-chuimhnich e a nàimhdean agus cor a reiseamaid fhein. Bha fhios aig a’ Phrionnsa gle mhath gu ’m b’ e treise nan Gàidheal cho math ’s a bha iad air ionnsaidh a thoirt air an naimhdean, agus rinn e [TD 170] suas inntinn an cothrom a thoirt dhaibh. Bha an rathad mor eadar Bannockburn agus an Eaglais-bhreac, a’ ruith gu direach comhnard air beulaobh seana choille Thorwood. Air an rathad so ghluais an Tighearna Iain Druman le phìoban ’s le bhrataichean mar gu ’m biodh e toirt dùlan do ’n arm dhearg. Is e bha ’na bheachd an car a thoirt asda, oir ghluais a’ mhor-bhuidheann de ’n arm mu dheas de ’n choille—air am folach le duilleach nan craobh, agus leis cho cnocanach cnapach ’s a bha ’n dùthaich—gus an d’ fhuair iad cùl druim a’ mhonaidh a bha ag amharc a sìos air a’ champa Shasunnach. ’S e bha ’nam beachd druim a’ mhonaidh so a ruigheachd air thoiseach air an Arm Dhearg agus an sin dheanadh iad orra mar a rinn iad aig Sliabh-a’-chlamhain (Prestonpans). Cha robh an t-Arm-Dearg mothachail ciod a bha tachairt, agus bha Hawley gu seasgair sona ann an tigh na Baintighearna Cille-màrnog. Mu aon uair deug chunnaic an ceannard Huske, a b’ fhaisge ann an comannd do Hawley, an Tighearna Iain Druman a’ gluasad le chuid feachd, agus chuir e fios cabhaige a dh’ ionnsaidh Hawley ag innseadh dha mar a bha cuisean a’ dol, ach cha do chuir so ’na chabhaig e. Chuir e fios air ais gu ’m faodadh na saighdearan a bhi dol fo uidheam, agus shuidh e sios gu thràth bìdh leis a’ bhaintighearna sheòlta ghrinn. Mu dhà uair a latha chunnaic an ceannard Huske troimh a’ ghloine amhairc a’ mhòr chuid de ’n arm Ghàidhealach a’ gluasad air an [TD 171] rathad a bha dìreadh gu culaobh na droma a bha os cionn a’ champa. Chuireadh fios cabhaige a dh’ ionnsaidh Hawley a chuir an t-eagal air. Dh’ fhàg e bhiadh, leum e ’na dhiollaid agus rainig e an campa ’na fhuil ’s ’na fhallus ’s e ceann-ruisgte. Dh’ earb e an luathas a’ mharc-shluaigh chum an latha bhuidhinn. Chaidh e fein air an ceann agus a suas am bruthach ’nan trotan. Bha iad fein ’s na Gàidheil a’ cur reis ach co a ruigeadh am mullach an toiseach. B’ e Hawley ’s a mharc-shluagh a rainig mullach na droma an toiseach. ’Nan trì buidheannan dhìr na Gàidheil taobh eile a’ mhonaidh—na Dòmhnullaich, muinntir Abar-eadhain agus muinntir Pheairt, agus aig an sail am marc-shluagh agus buidheann Fhrangach le Iain Druman air an ceann. Cha do chuir marc-shluagh Hawley fiamh no eagal air na Gàidheil: dhìr iad am bruthach gu h-aotrom, uallach. Tharruing marc-shluagh Hawley an claidheamhan, agus chaidh iad an coinneamh nan Gàidheal. Gu diongmhalta, daingeann chum na Gàidheil air an aghaidh gus an robh iad mu astar dheich slatan do ’n nàmh. An sin thog an Tighearna Seòras Morradh a ghunna r’ a shuil, sanas a thuig na Gàidheil, agus mu ’n abradh tu seachd, dhoirt iad fras mhillteach ann am meadhon marc-shluagh Hawley. Thuit mu cheithir chiad dhiubh agus theich an còrr cho dian ’s cho neo-ghaisgeil ’s a rinn an companaich aig Coltbridge agus Sliamh-a’-chlamhain. Bha ’ghaoth ’s an t-uisge an aodann nan dragoons [TD 172] agus rinn so cùisean na bu mhiosa. Aig a’ cheart am chaidh saighdearan coise Hawley—a’ bhuidheann dheas gus a’ bhuidhinn mheadhoin—a ruagadh air an ais leis na Camronaich, na Stiùbhartaich, agus Cloinn a’ Phearsain. Bhitheadh a’ bhuaidh iomlan mur a bhi cho gaisgeil ’s a sheas na trì reiseamaidean Sasunnach a bha air deis-laimh armachd Hawley. Bha iad so fo chomannda Phrice, Sigonier, agus Barrel. Bho fhasgath earann de chìrean na droma dhòirt na trì reiseamaidean so fras luaidhe ann an sgeith chlì nan reiseamaidean Gàidhealach gus an tug iad tilleadh asda, agus mu dheireadh b’ fheudar dhaibh teicheadh. Na ’n tàinig Clann Dòmhnuill bhuadhach gu cuideachadh an càirdean bhiodh buaidh iomlan aig na Gàidheil. An àite sin, ’s gun fheitheamh ri ordugh ceannaird, dh’ fhàg na Dòmhnullaich am musgan air an fhraoch agus thàr iad leis a’ bhruthach, as deigh nan Sasunnach. Cha do mhair an cath ach goirid. Chailleadh am Prionnsa anns an dorcha. Thilg na pìobairean am pioban do na gillean agus a’ rùsgadh an claidheamhan chaidh iad a stigh do ’n chath, agus mar so cha robh e nan comas “Cruinneachadh” a chluich. Cha robh buaidh iomlan aig Teàrlach; ach bha ’n ruaig aig Hawley iomlan gu leoir, oir chaill e a ghunnacha mòra. Chaidh an campa aig an Eaglais-bhric fhàgail air an fheasgar ud agus shnàg an ceannard le chuid feachd, air falbh gu Gleann-iuch, agus as a sin thug iad Dùn-éideann orra. Dh’ fheuch Hawley ris a’ chuid [TD 173] a b’ fheàrr a dheanamh de ’n chuid a bu mhiosa, ’n uair ràinig e Dùn-éideann, ach chuir e fios gu Diùc Chumberland gu ’n robh a chridhe briste. ’N uair a ràinig an sgeul Sasunn chuir e campar nach bu bheag air na Sasunnaich, agus b’ e beachd nan uile nach foghnadh ach Diùc Chumberland a chur an aghaidh naimhdean cho dannara ris na Gàidheil. Cha do bhuidhinn arm a’ Phrionnsa urrad ’s a shaoil leò, bha na saighdearan a lean na Sasunnaich gun cheann gun òrdugh, agus air an ath mhadainn thug moran diu an casan as, a’ gabhail rathad an fhraoich dhachaidh le creach nach bu bheag air an dronnan. Ach na bu mhiosa na so uile chaill am Prionnsa còmhnadh Ghlinne-garradh ’s a dhaoine. An latha an deigh a’ bhatailt so, thuit do shaighdear og Dòmhnullach a buidhinn Ghlinne-garradh a bhi tarruing urchair a musg a fhuair e air a’ bhlàr-chogaidh. Thug e aisde am peilear, agus ’g a glanadh loisg e’n urchair fhùdair. Gu mi-fhortanach bha dà urchair anns a’ bharaille agus bhuail am peilear Aonghas darna mac Ghlinne-garradh a thuit a bhi ’s an rathad ’s an am. Thuit an giullan bochd, ’s e leòinte gu bàs, ann an gairdeanan a’ chompanaich, agus b’ e ghuidhe deireannach nach rachadh dioghaltas a dheanamh air an fhear a loisg an urchair a chionn gu ’n robh e neo-chiontach. Cha ’n éisdeadh a chompanaich ri a lethid, cha ’n fhoghnadh ach fuil air son fola. Bha Fear Ghlinne-garradh toileach an t-òganach a dhion ach bha eagal iorghuill a thogail air, air eagal gu ’n eireadh call [TD 174] do ’n Phrionnsa. Mar so b’ fheudar beatha òganach eile a bhi air ìobairt a chum eud nam fineachan a shàsuchadh. B’ e athair an òganaich a’ cheud fhear a loisg air a ghiullan, a dheanamh cinnteach gu ’m biodh a bhàs grad. Chaidh mac Ghlinne-garradh a thòrradh mar shaighdear, ’s bha am Prionnsa e fhein aig ceann an tòrraidh. Ach an deigh na h-uile ni chaidh a dheanamh cha ghabhadh eud is uaill nan Dòmhnullach a bhi air an sàsuchadh; agus threig a’ chuid a bu mhotha dhiu am Prionnsa is thug iad an casan ás dhachaidh. VIII. Anns a’ Ghàidhealtachd. Air an deicheamh là fichead de cheud mhios na bliadhna ràinig Diùc Chumberland Dùn-éideann. Cha robh an fhailte a fhuair e ach leibideach an coimeas ris an iollach ’s an t-sodan a chaidh a dheanamh ris a’ Phrionnsa ceithir mìosan roimhe so. Rinn an sluagh, tha daonnan luaineach, iollach ris an darna fear mar a rinn iad do ’n fhear eile. Thuinich an Diùc anns an aon sheomar ann an Holyrood anns an do thuinich Teàrlach. Bha iad le cheile a’ cogadh ás leth an athar; ’s bha iad le cheile mu choig bliadhna fichead a dh’ aois. Ach a’ bharrachd air a so cha robh suaip air bith aig an [TD 175] darna fear ris an fhear eile. Bha Teàrlach flathail ’na phearsa, ’na ghluasad bha e fior uasal, agus ro bhàigheil ’na dhòigh; bha a’ charaid, Diùc Chumberland, trom, liobasda, agus bha a nàdur garg, brùideil an deigh claisean gruamach ’fhàgail ’na ghruaidh. Ged nach robh e ach leibideach mar cheannard, cha robh e dh’ easbhuidh misnich. Ach cha robh dad idir ann de ’n spiorad ghlan, ghaisgeil sin a’ bhuineas do ’n fhior shaighdear. Ann an Dùn-éideann dh’amais e air cuid de na h-oifigearan Sasunnach a chaidh a ghlacadh le arm a’ Phrionnsa aig Sliabh-a’-chlamhain. Chaidh am fàgail air saorsa an Dùn-éideann air dhaibh am facal a thoirt nach eireadh iad an aghaidh a’ Phrionnsa. Thubhairt Diùc Chumberland ris na seòid so nach robh e mar fhiachaibh orra a nis an gealladh a ghleidheil, agus dh’ orduich e iad a thilleadh gu ’n réiseimeidean fhein. Bha buidheann bheag a dhiùlt so a dheanamh—tha e ceart an ainmean aithris, agus an cliù a luaidh. B’ e iad so an Ridire Paruig Halket, Mr. Ross, Caiptein L. Scott, agus Lieutenants Mac Fhearchair agus Cuimeineach Thug iad so a suas an àite anns an arm seach am facal a bhristeadh, ag innseadh do ’n Diùc ged a b’ e am maighstir mar oifigich, nach robh e os an cionn mar dhaoine urramach a sheasadh ri ’m facal. Air an deicheamh là fichead bha ’n Diùc agus a luchd-feachd aig Gleann-iuch, agus bha e ’n dòchas a bhi ri aghaidh an airm Ghàidhealaich aig an Eaglais-bhric air an ath latha. Air an ath latha, [TD 176] chual iad o Ghàidheal á arm a’ Phrionnsa a bha air iomrall, gu ’n robh Teàrlach ’s a chuid feachd air taobh eile Uisge Fuir. Tha e coltach gu ’n tug iad oidheirp fhaoin air Caisteal Shruibhle a shéisdeadh. An fhuaim mar thairneanach a chuala daoine air a cheud là de ’n dara mios, ’s e bh’ ann spreadhadh tigh an fhùdair ann an Caisteal Shruibhle, ris an do chuir na Gàidheil teine mu ’n tug iad an cul ri baile Shruibhle. Bha an darna tilleadh so cho cruaidh air a’ Phrionnsa ’s a bha e bhi toirt culaobh ri Derby. Bha e ’na mhiann blar a chur ri Diùc Chumberland air an t-seann làraich teann air an Eaglais-bhric. Ach bha mì-chòrdadh is cànran nach bu bheag anns a’ champa. Bho ’n a dh’ fhàg iad Derby cha do ghairm am Prionnsa a luchd-comhairle ri chéile, ’s cha do chuir e chomhairle ri anam, ach an Runaire Seòras Morradh agus na h-oifigich Eirionnach a bha ’na chuideachd. Chuir so miothlachd air na cinn-chinnidh agus bha iad fo ghruaim ’s fo smalan, ’s an luchd-leanmhainn ’g am fàgail a lìon beag is beag. ’N uair a bha Teàrlach a’ cur ghnothaichean an òrdugh gu dol an coinneamh Dhiùc Chumberland gun dàil, chaidh a chridhe a shàrachadh gu goirt leis an fhios a fhuair e gu ’n d’ rinn na cinn-chinnidh a suas an inntinn tarruing air ais do ’n Ghàidhealtachd gun dàil. Chunnaic e aon uair eile a dhòchas air a thilgeil gu làr, ach b’ fheudar dha geilleachdainn ged nach b’ ann gun ghruaim. Is e bha ’m beachd nan ceann-cinnidh tarruing [TD 177] air an ais gu Ionbhar-neis agus an ionnsaidh a thoirt air Tighearna Loudon, a bha ’n sin aig an am; ’na dheigh sin anail a ghabhail gus an earrach, an t-arm a neartachadh agus an sin tighinn air aghaidh le feachd laidir, beothail. Chaidh an Tighearna Seòras Morradh air ceann aon bhuidhinn agus stiùir iad an ceum air Ionbhar-neis, rathad Abar-eadhain. Chaidh Teàrlach e fhein air ceann na buidhne eile, agus ghabh iad an rathad mor troimh Bhaideanach agus dùthaich Athall. Cha robh e ’n comas Chumberland, le shaighdearan chlod-chasach neo-shùrdail, ’s le airneis-feachd, deanamh a suas ris na Gàidheil, a bha cho aotrom air an casan ris na gobhair, agus ’n uair a ràinig e Peairt bha iad astar shè laithean an ceann air. Chuir e an seann Ridire Aindrea Mac-a’-ghniomhaich gu Tigh-a’-Bhlàir le buidhinn shaighdearan a dhion an tighe sin, agus chuir e grunnan beag shaighdearan do thighean eile ann an dùthaich Athall. Chaidh e fhein ’s a mhor bhuidheann gu Abar-eadhain, agus dh’ fheith iad an sin air son aimsir a bu chaoine. Mu ’n cuairt air baile Ionbhar-neis tha dùthaich Mhic-an-tòisich. Cha robh ann am Mac-an-tòisich e fhéin ach cladhaire baoghalta truagh. Cha robh ’na bheachd ach gu ’m b’ e an righ dligheach esan a bha comasach agus toileach air “leth-gini a phaigheadh an diugh agus fear eile am màireach.” Tha e glé choltach gu ’m b’ e so am pàigheadh a bha esan a’ tarruing mar oifigeach ann an aon de na buidheannan Gàidhealach aig Righ Seòras. Cha [TD 178] b’ ionnan idir a bhean. B’ ann de chloinn Fhearchair i—sliochd Fhionnlaidh Mhòir—agus ’n uair a bha Mac-an-tòisich o’n tigh, thruis ise buidheann de Chloinn-an-tòisich ’s de Chloinn Fhearchair—mu thrì ceud—a chogadh leis a’ Phrionnsa. Chaidh i féin gu gaisgeil air an ceann a’ marcachd ann an éideadh breacain, le dagaichean ’san diollaid r’ a taobh. Thug a luchd-leanmhainn “Còirneal Anna” mar fhar-ainm oirre. Ann an tuasaid eadar a buidheann féin agus buidheann Righ Seòrais chaidh a fear a ghlacadh, agus a thoirt ’na làthair mar prìosanach. Dh’ fhàiltich i e mar shaighdear—“Fàilte oirbh, a’ Chaiptein;” agus fhreagair esan, “Ar seirbheiseach, a’ Chòirneil.” Thug am boirionnach gleusda so cuireadh do Theàrlach tighinn gu Tigh-na-Mhòigh agus thàinig e air an t-seathamh là deug de dhara mìos na bliadhna. Tha Tigh-a’ Mhàigh mu dhà mhìle deug bho Ionbhar-neis. ’N uair a chual’ an Tighearna Loudon gu’ n robh am Prionnsa le grunnan beag shaighdearan aig Tigh-na-Mhòigh, smaoinich e gu ’n deanadh e seòl air a ghlacadh, agus crìoch a chur air a’ chogadh a dh’ aona bheum. Air Di-dòmhnaich an seathamh là deug de dhara mìos na bliadhna, mu fheasgar, thog e air gu h-uaigneach le mìle-gu-leth saighdear, gu Tigh-na-Mhòigh. Cha do chumadh an gnothach cho uaigneach ’s a shaoil leò, oir chuir a bhain-tighearna, màthair Mhic-an-tòisich, balachan ’na dheann ruith gu Tigh-a’-Mhàigh a thoirt rabhadh d’ a nighin céile agus do ’n Phrionnsa. Bha am [TD 179] balachan cho seòlta ’s a bha dìleas. ’N uair a chunnaic e gu ’n robh an rathad mor làn shaighdearan laidh e ann an clais taobh an rathaid gus an deachaidh iad seachad, an sin ghabh e rathad an fhraoich agus ràinig e Tigh-na-Mhòigh ’s e ’na fhuil ’s ’na fhallus, mu chóig uairean ’sa mhadainn, is dh’ innis e nach robh feachd Loudoin ach mìle no dhà air dheireadh air! Chaidh am Prionnsa a chur air a chois agus thug e chasan as, a’ deanamh a rathaid gu buidhinn Loch-iall nach robh thar mìle o Thigh-na-Mòigh. Ach thachair gu ’n d’ fhuair Loudon ’s a chuideachd tilleadh bho bhuidhinn bhig de shaighdearan “Choirneil Anna.” Thuit gu ’n robh an gobhainn Frisealach agus sè no seachd a dhaoine—dithis dhiu ’nam piobairean, a mach moch air maduinn, agus chunnaic iad feachd Loudoin a’ tighinn orra. Thug an gobhainn orra sgaoileadh bho chéile agus iad fein fholach air chùl chalaidean is chruachan mona taobh an rathaid mhoir, agus ’n uair a loisgeadh esan ’urchair bha iadsan ris an ni ceudna a dheanamh agus an sin bha iad ri an cath-ghairm eigheach ma seach, ’s bha na pìobairean ri dùlan a chluich. Rinn iad mar a dh’ iarradh orra agus chuir na h-uile rud a bh’ ann feachd Loudoin ’nam breislich, agus theich iad le ’m beatha—mullach thar tharraich—’s cha d’ fhàg an t-eagal iad gus an d’ràinig iad baile Ionbhar-neis. Cha robh “Ruaig na Mòigh” na bu chliùitiche do dh’ arm Righ Seòrais na bha “Ruaig Choltbridge.” Gu mi-fhortanach [TD 180] b’ e ’n t-aon duine a mharbhadh aig Ruaig na Mòigh Domhnull bàn Mac Criomain, Pìobaire ainmeil Dhùn-bheagain. Mu ’n d’ fhàg e ’n t-eilean Sgitheanach chaidh a chur air mhanadh nach tilleadh e, agus chreid e so, oir rinn e am port ainmeil sin “Cumha Mhic Criomain,” agus chluich e ’s e fàgail an eilein— “Cha till, cha till, cha till mi tuille, Ged thilleas Mac Leoid cha bheò Mac Criomain.” Air an ath latha, chaidh Teàrlach air ceann buidhinn laidir a thog orra gu Ionbhar-neis a shéisdeadh. ’N uair a rainig iad, thuig iad gu ’n tug Loudon agus na bha leis an casan as. Cha robh de dh’ earbsa aige as na bha leis na bheireadh de mhisneach dha dol am bad a namhaid a rithist. Dà latha na dhéigh so gheill gearrasdan Sheòrais do ’n Phrionnsa. Re shè seachdainean ’na dhéigh so bha an t-arm Gàidhealach air a roinn ’na bhuidheannan beaga, a chaidh a mach an aghaidh nan naimhdean a bha ’g an cuartachadh. Ghlac an Tighearna Iain Drumain gearrasdan Chille-Chuimein, chaidh Loch-iall agus sheisd e gearrasdan Ionbhar-Lochaidh, ged a b’ fhaoin an oidheirp, agus lean Tighearna Chrombagh an Tighearna Loudon feadh Chataibh. Ach b’ e an Tighearna Seòras Morradh a rinn an ionnsaidh bu dàna na iad so uile. Ghluais e le buidhinn de dh’ Athallaich, agus ghluais Cluainidh le buidhinn de Chloinn Mhuirich—bhitheadh mu [TD 181] sheachd ceud anns an iomlan—a stiùireadh an ceanna air Athall. Mu chiaradh an fheasgair dh’ fhàg iad Dail-chuinne, roimh mheadhon oidhche bha iad aig Dail-na-spideil, ach cha robh fhios aig duine beo ach an dà cheannard ciod a bu chiall do ’n turus chabhagach so. Thachair so meadhon a’ mhios Mhairt, ’n uair a dh’ fhaoidteadh cunntas air cóig uairean de dorchadas roimh bhriste fàire. Chaidh innseadh do ’n arm gu ’n robh iad ri bhi air an roinn ’nan deich-air-fhichead buidheann agus bha gach buidheann ri ionnsaidh a thoirt air aon de na tighean móra anns a’ choimhearsnachd anns an robh na saighdearan Sasunnach a’ tuineachadh. Dh’ fheumadh na tighean so uile a bhi air an cuartachadh mu ’n aon am air eagal ’s gu ’n tugadh iad sanas do chàch. Aig briste la bha iad uile ri cruinneachadh aig Uisge Bhruair, mu mhìle no dha bho Chaisteal a’ Bhlàir. Aon an deigh aoin shnàg na buidheannan air falbh gu samhach, ’s bha iad as an t-sealladh anns an dorchadas ann an tiota. Thug aon bhuidheann orra gu Tigh Fhasgalaidh, agus chaidh cach gu Tigh Lud, Cinneachain, agus na tighean eile anns an robh na saighdearan Sasunnach ’nan cadal gun smuairean. Ghluais an Tighearna Seòras Morradh agus Cluainidh orra le coig pearsa fichead gu Uisge Bhruair. Mu bhristeadh faire thainig duine g’ an ionnsaidh o chlachan a’ Bhlàir a dh’ innis dhaibh gu ’n tugadh rabhadh do’n Ridire Aindrea Mac-a’-ghniomhaich agus gu ’n robh e le buidhinn laidir an deigh cuairt a chur air [TD 182] an sgireachd, agus gu ’n robh e nis air a rathad gu Uisge Bhruair. Bha e farasda gu leoir do ’n Tighearna Seòras Morradh agus na bha leis teicheadh troimh ’n chaol ghleann, ach thàinig e ’na aire mur bitheadh e aig an àite-coinneimh mar a gheall e gu ’m biodh gach buidheann air a glacadh mar thigeadh iad air an aghaidh. Chuir e ’n gniomh a cheart chleas a bh’ aig gobhainn a’ Mhòigh, ’n uair chuir e ’n ruaig air Loudon. Chuir e a luchd leanmhuinn air cùl ghàraidhean tobhta an sud ’s an so, le ’m brataichean ri crann far am faicteadh iad gu soilleir, ’s na pìobairean a’ cluich gu spreigeil. ’N uair thainig an Ridire Aindrea air aghaidh dheirich a’ ghrian agus dheàrrs lannan nan seòd a bha cùl nam ballachan tobhta, ’s a bha bogadh an cinn an dràsd ’s a rithis os cionn mullach a’ ghàraidh mar gu ’m biodh mìle sluagh air ghluasad. Aig a’ cheart am chluich na pìobairean gu dalma dannara is thog an deich air fhichead iollach a dh’ fhóghnadh do thrì cheud. Thug so an car as an Ridire Aindrea agus thill e ’n taobh a thainig e gun chlaidheamh a tharruing. Aon an deigh aoin thainig na buidheannan air an aghaidh gu h-ordail gus an àite-tionail, Uisge Bhruair. Gheill mu dheich-air fhichead tigh agus ghlacadh mu thrì cheud prìosanach a bha nis ’nan cuideachd. ’Na dhéigh so cha ’n fhòghnadh leis an Tighearna Seòras Morradh ach gu ’m feuchadh e ri Tigh a’ Bhlàir a ghlacadh. Cha robh an so ach oidheirp fhaoin oir bha na ballachan thairis air seachd [TD 183] troighean air tiughad, agus cha robh aig an Tighearna Seòras Morradh ach dà ghunna-pheilleir nach robh gu moran feum. “Tha mi creidsinn gu bheil an duine ás a riaghailt, a’ feuchainn ri tigh a bhràthar a leagail,” ars’ an Ridire Aindrea ’s e coimhead cho beag dochunn ’s a bha na peilleirean a’ deanamh air na ballachan. Chuir an Tighearna Seòras Morradh teachdaire gus a’ Phrionnsa tuille dhaoine chur thuige ’s gu ’n tugadh iad orra geilleachdainn leis an acras, ach bha Teàrlach fo ghruaim agus an deigh earbsa ann an Tighearna Seòras a chall, agus dhiùlt e cuideachadh a chur thuige, agus air an là mu dheireadh de ’n mhios Mhàirt b’ fheudar do ’n Tighearna Seòras agus a dhaoine Tigh a’ Bhlàir fhagail. Theagamh gu ’n robh Teàrlach ceàrr ann a bhi cur an teagamh comhairle an Tighearna Seòras Morradh, ach tha so ri ràdh air a shon gu ’n do chomhairlich e tilleadh dà uair ’n uair a dh’ fhaodadh a’ bhuaidh a bhi leo na ’n do ghluais iad air an aghaidh gu dalma, dannara. IX. Cuil-fhodair. Ach bha na seachdainean a’ dol seachad. Ged nach robh an t-Earrach glas ’s an airde tuath a’ toirt moran bhlathais na lorg bha na làithean a’ sineadh ’s bha ’n sneachd a’ leaghadh bharr nam [TD 184] beann ’s bha na h-aimhnichean a nis a’ cumail an amair ’s bha e comasach do dhaoine dol troimh nan àthan. Bho mheadhon darna mìos na bliadhna bha Diùc Chumberland agus cho math ri ochd mìle—eadar marc-shluaigh ’s luchd-coise—a’ tuineachadh aig Abar-eadhain. Le bhagraidhean chuir e ’n t-eagal air muinntir a’ bhaile ach chunnaic e nach robh dìth no deireas air a chuid feachd. Bha luingeis á Sasunn a’ cumail teann air cladach Abar-eadhain eallamh gu biadh, cho math ri stòras feachd a chur air tìr cho luath ’s a bhiodh feum air. Mar fhiadh-bheathach aig a bheil làn fhios nach urrainn a’ chreach teicheadh, bha Diùc Chumberland làn thoilichte fuireachd gun ionnsaidh thoirt air Teàrlach gus am bitheadh an aimsir na bu chaoine, ’s na bu chneasda. Do ’n arm Ghàidhealach bha gach seachdain moille ’na chall sonraichte. Chaidh cuid mhath de na fineachan dhachaidh an toir air lòn, oir bha peighinnean a’ Phrionnsa a fàs gann an Ionbhar-neis. Cha robh cùisean ach gle mhi-shealbhach leis a’ Phrionnsa aig an am so. Chaidh furtachd a chur a nall ás an Fhraing uair is uair ach aona chuid chaidh na luingeis a bha ’g an giùlan a ghlacadh le cabhlach Righ Seòrais, no cha robh e ’n an comas faighinn sabhailte gu cala air taobh ’n iar thuath Albann. ’S e min a bha na saighdearan a’ faighinn mar phaigheadh an àite airgid—’s cha robh a’ mhin fhein pailte. Bha mar so an t-arm a’ fàs neo-thoilichte, agus bha na cinn-chinnidh a’ call am [TD 185] misneach. Bha Teàrlach ag amharc le amharus orra-san a bha cuir an beatha ’s an cuid an cunnart ’na aobhar, agus cha robh e ’g iarraidh comhairle o neach ach an Tighearna Seòras Morradh agus na h-oifigich Eirionnach a bha ’na chuideachd. Air an ochdamh latha de ’n Ghiblin ghluais Diùc Chumberland á Abar-eadhain. Eadar an dà arm bha Uisge Spè a’ ruith gu dian domhain—’s cha robh e ’na shùgradh feuchainn ri dol troimhpe. Bhiodh e comasach do bhuidhinn bhig air an suidheachadh aig beul àtha air taobh air bith de ’n abhainn diol a dheanamh air arm air bith a dh’ fheuchadh ri tighinn tarsuing. Air bruaich shiar na h-aibhne thog an Tighearna Iain Druman ’s a dhaoine gàradh fada de chloich ’s de thobhta. B’ e m beachd gu ’n rachadh aca air frois luaidhe a dhortadh bho chùl a bhalla so air arm Dhiùc Chumberland ’n uair a bhiodh iad a’ tighinn tromh ’n àth, ach bha ’n Diùc cho seòlta riu féin, oir chuir e a ghunnachan móra air uchdan air taobh thall na h-aibhne agus cha b’ fhada gus an do chuir na peilearan an gàradh tobhta ’na bhrochan, is b’fheudar do ’n Drumanach ’s a dhaoine an casan a thoirt as cho luath ’s a bha ’nan comas. Air Di-luain, an còigeamh-la-deug, ràinig an Drumanach ’s a chuideachd Ionbhar-neis leis an sgeul gu ’n robh Diùc Chumberland aig Ionbhar-narainn agus gu ’n robh e coltach gu ’m biodh blàr air bonn air an ath latha. Bha am Prionnsa air a thogail leis an sgeula, dh’ òrdaich e do na [TD 186] pìobairean “Cruinneachadh” a chluich agus ann an uine ghoirid bha na fineachan fo uidheam ’s a gluasad troimh shràidean Ionbhar-neis le sròl ri crann is piobairean spreigeil air an ceann, gu faiche Chuil-fhodair. Bha sùil aig a’ Phrionnsa gu ’n tòisicheadh an cogadh an ath mhaduinn, b’ e sin Di-mairt an seathamh-la-deug, agus chaidh an t-arm a chur ann an òrdugh mu shè uairean feasgar. Bha an àireamh air tanachadh gu mor. Bha Cloinn Mhuirich, le Cluainidh air an ceann, air dol do Bhàideanach; ’s cha robh forbhais air na Frisealaich. [Cha mho bha iad aig a’ bhlàr ainmeil air an ath latha.] Thog Clann Domhnaill na Ceapach agus buidheann no dhà eile ceann air an ath mhaduinn. Gu mi-thubaisdeach cha deachaidh ullachadh air bith a dheanamh air son lòin do na saighdearan air an latha so, ged a bha min gu leòir an Ionbhar-neis. Fhuair gach duine builionn bheag de dh’ aran cruaidh tioram. Mu ’n tàinig am feasgar bha na saighdearan acrach a’ triall na dùthcha an toir air lòn. Mharcaich an Tighearna Elcho cho fada ri Ionbhar-narainn, ach ciod a chitheadh no chluinneadh e, agus thill e leis an naigheachd nach robh e coltach gu ’n gluaiseadh an t-arm Sasunnach an latha sin, bha iad gu cridheil a’ cumail air chuimhne co-ainm latha breith Diùc Chumberland ’s ag òl air a shlàinte. Ghairm Teàrlach comhairle-feachd mu thrì uairean an deigh mheadhon latha. Chomh- [TD 187] airlich an Tighearna Seòras Morradh an àite feitheamh gus an rachadh dùlan a thoirt dhaibh gur ann a bu choir dhaibh triall ann an dorchadas na h-oidhche gu Ionbhar-narainn agus a bhi’m badaibh an airm-dheirg mu ’n dùisgeadh iad. Leis an arm Ghàidhealach a roinn ’nan dà bhuidheann mu ’n ruigeadh iad Ionbhar-narainn bhitheadh e comasach dhaibh tighinn air na Sasunnaich air an culaobh ’s air am beulaobh aig an aon am; cha ro urchair ri leigeil, oir dhùisgeadh so an campa, ach bha na Gàidheil ri dol ’nam bad le biodaig is claidheamh. Bha cheart chomhairle ann an inntinn a’ Phrionnsa; agus ghlac e an Tighearna Seòras Morradh is phaisg e ri uchd e. Bha an oidhirp dàn cunnartach; ach le saighdearan dàna, luath-chasach, agus daoine teòma gleusda air an ceann cha robh an gnothach ag amharc eu-comasach. Seadh direach! ach le daoine fann, meata leis an acras bu chùis eile e. ’Nuair a chaidh iad an òrdugh ’sa mhaduinn bha ann dhiu mu sheachd mìle, ach cha robh thairis air an leth ri fhaotainn ’s an fheasgar, bha ’n còrr air feadh na dùthcha an tòir air lòn. Mu ochd uairean bha e dorcha gu leoir a ghluasad. ’S e bha ’n am beachd campa nan Sasunnach a ruigheachd mu dhà uair ’sa mhaduinn; bha aca mar so sè uairean a dh’ ùine a chur an dà mhile dheug, a bha eadar iad ’s an nàmh, air an cùl. Bha an t-arm ri gluasad nan trì sreathan: na fineachan Gàidhealach ’nan dà bhuidheann an toiseach le Loch-iall is an Tighearna Seòras Morradh air an cinn, agus [TD 188] deich-fir-fhichead de Chloinn an Tòisich ’g an treòrachadh o ’n bha iad eòlach air an rathad. Anns an treas sreath bha na Goill, na Frangaich, agus na h-Eirionnaich, leis a’ Phrionnsa air an ceann. Bha gach dìomhaireachd feumail, agus ghluais an t-arm gun ghuth as an cinn. Cha ’n e mhain gu’n do sheachain iad na rathaidean mora, ach far am faicteadh coltas soluis, á tigh no á bothan-àiridh, b’ fheudar cuairt a ghabhail chum a sheachnadh. Bha an grunnd fo an casan molach, cnapach, agus an dràsd ’s a rithis thuiteadh iad ann am bacan-moine, no thuislicheadh iad thar chlachan garbha ’s an dorchadas. A’ bharrachd air so uile bha an oidhche fuathasach dorcha. An àite cumail ’nan trì sreathan chaidh iad am measg a cheile anns an dorchadas, ’s bha ’n darna buidheann a’ cumail air ais na buidhnean eile. An uine ghoirid shìn na fineachean Gàidhealach luath-chasach, sgairteil an ceuman agus dh’ fhàg iad an còrr astar as an déigh, oir cha robh na coigrich idir eòlach air “rathad an fhraoich.” An dràsd ’s a rithist thigeadh fios o ’n bhuidhìnn a bh’ air dheireadh, ag iarraidh orra-san a bh’ air thoiseach iad g’a ghabhail gu h-athaiseach. Bha e déisneach iarraidh air daoine moille dheanamh ’n uair ’bha bristeadh làtha a’ bagradh. Sheas iad ’n uair a ràinig iad Tigh Chill-reubhach. B’ e so an t-àite aig an do geall iad cruinneachadh agus aig an do shocraich iad an t-arm a roinn na dhà bhuidheann, an darna buidheann ri dol dìreach an aghaidh nan Sasunnach [TD 189] agus a’ bhuidheann eile ri dol thar na h-aibhne agus tighinn orra o ’n taobh eile. Aig an àm so bha bhuidheann mu dheireadh fada air ais, agus bha bealach no dhà eadar na buidheannan eile. Thàinig Diùc Pheairt a’ marcachd o ’n bhuidhinn mu dheireadh a dh’ innseadh do ’n Tighearna Seòras Morradh gu ’m feumadh iad feitheamh gus an tigeadh càch air an aghaidh, agus dh’ innis cuid eile de na h-oifigich gu ’n robh na saighdearan leth-mharbh leis a’ chadal, agus a’ dol bhàrr an casan. Sheall iad ciod an uair a bha e. Bha e nis dà uair sa mhaduinn ’s bha iad fhathast ceithir mìle o ’n champa. Bha cuid de na h-oifigich an geall air dol air an aghaidh, agus ’n uair a bha iad a’ bruidhinn thàinig gille air muin eich le fios o ’n Phrionnsa gu ’m bu mhiann leis-san dol air aghaidh, ach gu ’n géilleadh e do bheachd an Tighearna Seòras Morradh. Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann chualas troimh ’n dorchadas fuaim na druma ’s thug so gnothaichean gu aona cheann. Cha robh e nis ’nan comas tighinn air na Sasunnaich gun fhios dhaibh. Le cridhe trom thug an Tighearna Seòras Morradh òrdugh iad a thilleadh an taobh a thainig iad. Cha do mheudaich an oidheirp so earbsa a’ Phrionnsa anns an Tighearna Seòras Morradh. Ann an soillse na camhanaich cha robh e cho duilich dhaibh an rathad a dheanamh ’s a bha e ann an dorchadas na h-oidhche, agus goirid an deigh chóig uairean bha an t-arm air ais air an t-seann làraich aig Cuil-fhodair. Laidh moran de [TD 190] na saighdearan far an robh iad, ’s iad dall leis a’ chadal, agus chaidh cuid eile an tòir air lòn. Cha b’ urrainn do Theàrlach ’s d’ a chuid oifigich ni saoghalta fhaotainn ri itheadh no ri òl ann an Tigh Chuil-fhodair ach aran-tur agus uisge-beatha. An àite comhairle-feachd a chumail laidh gach h-aon, mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e air an ùrlar. Cha robh an cadal buan, oir moch ’sa mhadainn thainig teachdaire a dh’ ìnnseadh gu ’n robh Diùc Chumberland air gluasad, nach robh e nis thar ceithir mìle uapa, agus gu ’n robh a mharc-shluagh na bu tinne orra na sin. Le cabhaig dh’ fheuch na cinn-chinnidh ’s na h-oifigich ri ’n cuid dhaoine a thional. Bha moran dhiu air sgapadh—cuid dhiu cho fad as ri baile Ionbhar-neis, cuid eile leth-mharbh le dith-cadail, agus an t-iomlan fann leis an acras. ’N uair a thionaladh na bha ri fhaotainn dhiu ’s a chaidh an cur an òrdugh catha, cha robh aca ach mu chòig mìle fear. Bha iad air an tarruing suas ann an achadh fhosgailte, le gàraidhean tobhta arda air an laimh dheis—a bha cuartachadh pairce chaoil; a’ dion an taobh air an laimh eile bha Tigh Chuil-fhodair. A dh’ aindeoin sgìos is acrais, dh’ eirich an seann spiorad Gàidhealach anns na Gàidheil, agus gabh iad an àite gun fhiamh gun eagal mar a b’ àbhaist. Ach c’ àite bheil na Dòmhnullaich a b’ àbhaist a bhi air thùs ’s air thoiseach? Gu mi-shealbhach chaidh Clann Dòmhnull Ghlinne-garradh, Dòmhnullaich na Ceapach, agus luchd- [TD 191] feachd Chloinn-Raonuill—aig an robh an ceum toisich air sgèith dheis an airm aig Sliabh-a’-chlamhain agus an Eaglais-bhric, agus a bha lan-airidh air—a chàradh air an taobh chlìth. Mheas Clann Dòmhnuill so ’na thàmailt agus ’na droch mhanadh, agus bha iad fo ghruaim. Cha ’n ’eil fhios fhathasd co bu choireach. Air an làimh dheis far am b’ àbhaist do na Dòmhnullaich a bhi, bha fir Athaill, na Camaronaich, Stiùbhartaich na h-Apunn, Clann Ghill-eathan, Clann-an-tòisich, agus na h-urrad de na fineachan eile, gach h-aon dhiu ’s an ceann-cinnidh air an ceann, ’s an t-iomlan fo chomannda an Tighearna Seòras Morradh. Aig bàrr an dà sgiath chaidh na gunnachan mora a shuidheachadh—ceithir aig gach sgiath—b’ e so na bh’ aig na Gàidheil. ’S e bha san darna sreath Frangaich, Eirionnaich, agus Goill. Air cnocan beag air culaobh an Airm Ghàidhealaich gabh Teàrlach agus beagan chàirdean iolla ris a’ chath. Cha robh e fada air a’ chnocan ’n uair a bha ’n t-each air an robh e marcachd air a chùirneachadh le clàbar a bha ’g éiridh o pheilearan nan gunnachan mòra bha bualadh air a’ mhòintich, agus cha robh e á cunnart, oir chaidh duine a mharbhadh air a chulaobh. Mu uair a làtha bha feachd Righ Seòraìs air a tharruing a suas mar astar chóig ceud ceum do na Gàidheil. Bha na cóig réisimeadan deug ’nan trì sreathan, ann a leithid de dh’ òrdugh gu ’n robh a’ bheàrna a bh’ ann ’s an t-sreath bheòil air a cùirneachadh leis na réisimeadan a bh’ air an culaobh. Eadar [TD 192] gach réisimead anns an t-sreath bheòil chàradh dà ghunna mor, agus chaidh a’ mharc-shluagh a shuidheachadh aig gach sgiath de ’n arm. Bha na saighdearan Sasunnach beothail, air an deagh bhiathadh, làn earbsach ás an ceann-feachd, agus an geall air ruaigean Sliabh-a’-chlamhain agus na h-Eaglais-bhric a dhìoladh. Beagan an deigh uair a làtha thàinig gruaim air an speur agus shil frasan chlachan-meallain a shéid a’ ghaoth n-ear-thuath ann an aodann nan Gàidheal. Thòisich na Gàidheil am blàr ainmeil so le ’n gunnachan mora, ach cha do gabh iad ach droch chuimse; chaidh na peileirean thairis air an arm dhearg gun dolaidh a b’fhiach iomradh a dheanamh. An sin dh’ fhosgail an t-arm dearg orrasan le ’n gunnachan mòra féin, ach cha b’ i ghunnaireachd gun chuimse bha ’n so; cha robh dararaich a leig iad nach d’ fhosgail bealach farsuing troimh shreathaibh nan Gàidheal; ’g an smàladh sios nam fineachan. Fad leth-uair sheas na Gàidheil mar a bh’ aca, a faicinn an càirdean air an gearradh sìos air gach taobh dhiu. Thug e gu leoir dhaibh r’ a dheanamh seasamh mar a bha iad, oir bha ’n sùilean a lasadh ’s iad an geall a bhi ’m bad nan Sasunnach. Bha an ceannard, an Tighearna Seòras Morradh, dol a thoirt a’ chomanda iad a bhi ’m bad an naimhdean, ’n uair chaill Clann-an-tòisich am foighidinn agus a mach ghabh iad ’nan aon sgaoth o mheadhon an fheachd agus thàr iad as troimh thoit an fhùdair agus an aghaidh frasan sneachdaidh [TD 193] gu bhi am broilleach an naimhdean. Bha an ionnsaidh cho grad agus cho garg gu ’n deachaidh iad troimh dhà réisimeid anns an t-sreath bheòil. Bha réisimeid Shempill a bha san dara sreath a’ seasamh ’na trì sreathan—a cheud sreath air an glùinibh—agus am biodagan an tarruing. Dh’ fhàiltich iad na Gàidheil le frois sgriosaich de luaidhe. Chuir so grabadh air na Gàidheil—chaidh cuid dhiu a chur an comhair an cùil, agus chaidh moran a sgrios leis na biodagan. Ged a thug sgiath dheas agus sgiath mheadhon an airm Ghàidhealaich an ionnsaidh eagalaich so, bha cloinn Dòmhnuill ’nan tamh, cha rachadh iad ceum air an aghaidh. “Leanaibh mise, a Chloinn Dòmhnuill!” arsa Diùc Pheairt, “cuiribh an cath mar bu ghnàth leibh, agus bithidh mi ’m Dhòmhnullach ri m’ bheò;” ach cha ghluaisibh iad ceum. B’ ann faoin a bha ’n oidheirp a rinn Fear na Ceapach le beagan d’a chàirdean. Air aghaidh gabh iad, ’s a sealltainn as a dhèigh arsa Fear na Ceapach—“A Dhia! am bheil clann mo chinnidh an dèigh mo thréigsinn.” Ann an uine gheàrr thuit an curaidh treun so agus moran de na bha leis. Bha an t-arm Gàidhealach a nis troimh cheile. Thàinig buidheann de na saighdearan dearga, na Caimbeulaich dà-rìreadh, agus leag iad na gàraidhean tobhta a bha eadar an dà arm. Troimh na bealaichean thàinig a’ mharc-shluagh a rinn liodairt air na Goill agus air na Frangaich, agus a sgap iadsan a fhuair as le ’m beatha. Is iomadh gniomh [TD 194] treubhach a rinneadh leis na Gàidheil air an latha ud. Bha duine foghainteach an sin d’ am b’ ainm Gill-iosa mor Mac Bheathain, agus ’n uair a theich a chompanaich uile, thug a naimhdean ionnsaidh air, agus leointe mar bha e, chuir e chùl ri balla, far an do sheas e gu gaisgeil an aghaidh àireamh mhor thrupairean. Bha iad an geall air cur as da, ach bha esan cho gramail ’s gu’n do thuit trì-fir-dheug d’a naimhdean marbh m’a thiomchioll mu ’n do mharbhadh e. Ach bha ’n latha caillte. Rinneadh gach ni a b’ urrainn gaisge, uaill agus dìlseachd, seadh, agus gamhlas a chur an gniomh, ach gu neo-éifeachdach. Bha dùil aig Teàrlach gus a cheann mu dheireadh gu ’m biodh a’ bhuaidh leis. Thairg e dol air ceann an darna sreath de ’n arm Ghàidhealach agus aon ionnsaidh eile a thoirt, ach dh’ innis ’oifigich dha nach éireadh na Gàidheil leis, gu ’n robh an t-àm seachad ’s an latha caillte. Bha an t-arm Gàidhealach a nis ’na shléibhtrich agus thug dithis de ’na h-oifigich Eirionnach a bha leis tarruing air srian eich a’ Phrionnsa agus b’ fheudar achadh ainmeil Chuil-fhodair ’fhàgail. An deigh cath Sliamh-a’-chlamhain bha am Prionnsa cho truachanta gu ’m b’ oil leis luchairt Holyrood a thionndadh ’na thigh-eiridinn d’ a naimhdean a chaidh a leon; ach a nis dh’ fhàg e a ghaisgich fein gu bàsachadh far an do thuit iad, no gu bhi air an spadadh leis na Sasunnaich. Latha ’g an robh e dhùilt, e peanas a dhean- [TD 195] amh air feadhainn a bha an tì air a’ mhort, ach a nis bha peanas gun iochd ’g a dheanamh air a chàirdean chum esan a bhrath—ach cha deachaidh leotha. Chaill Teàrlach an crùn, ach bhuidhinn e chridheachan nan Gàidheal, agus cho fada ’s a bhios meas air bàrdachd no gheibh uirsgeulan éisdeachd, tha crùn aig a’ Phrionnsa is maireannaiche na ’n t-òr. B’ e so a bu deireadh do dh’ aobhar nan Stiùbhartach rìoghail, air son an d’ fhuiling daoine bàs, agus air son an do chaill mnathan, gun ghearan, dachaidhean, fir-phosda, agus mic. B’ e so deireadh gineal comasach nan Righrean Stiùbhartach a chaith crùn na h-Alba, le crannchur glé chaochlaideach, ré còrr is trì cheud bliadhna. Ach cha b’ e sud idir deireadh sgeòil do na fineachan Gàidhealach. Ged a chaidh an sàrachadh ’s an sgapadh ’s am bruanadh gu goirt, cha do chaisgeadh an spiorad bras no an teòmachd air son cogaidh. Ann an seirbheis nan ceart luchd-riaghlaidh a bhuin cho teann riu bha iad fhathast ri ’n àite féin a ghabhail ann an eachdraidh an t-saoghail—àite ni b’ àirde ’s ni b’ urramaiche, seadh, ’s na b’ iomraidiche na choisinn iad le ’n dillseachd do dh’ aobhar a chaidh a dhìth, Chaidh duilleagan na h-eachdraidh sin a sgrìobhadh ann an gniomhan eug-samhuil nach téid gu bràth air dhi-chumhn’, air machraichean teth nan Innsean, air beanntan Afghanistan, ’san Eiphit, ’san Spàinnt, aig Waterloo, agus Quatre Bras, agus am measg sneach [TD 196] a’ Chrimea. Agus feudaidh e bhi gu’m bi duilleagan eile de dh’ eachdraidh ghaisgeil nan Réisimeadan Gàidhealach a leughas ar cloinn agus clann ar cloinne le uabhar agus le pròis anns na laithean a tha ri teachd. [TD 197] ALLABAN A’ PHRIONNSA. CAIBIDEIL I. An Ruaig. AN seathamh là deug de ’n Ghiblin, 1746. Is e bh’ ann feasgar glas-neulach fuar le corra bhaoisgeadh uisgidh de ’n ghréin eadar na frasan, oir ann an garbh-chrìochan Bhàideanaich tha teachd an Earraich mall agus tha na monaidhean lom duaichnidh agus na machraichean cho fuar marbh ’s a bha iad an dubhagan a’ Gheamhraidh. Ann an oisinn iomallaich de ’n chearna so gheibhteadh ann am bliadhna Theàrlaich seann thigh glas, lom, fuaraidh, le machraichean reidh air a bheulaobh. Anns an t-seòmar mullaich bha caileag bheag, mu dheich bliadhna dh’ aois, ag amharc a mach air an uinneig. Bha i air a caramh a suas do ’n t-seòmar so gu bhi as an rathad, oir ’s e latha dripeil a bha so ann an teaghlach na Gortlaig. Bha fear an tighe—oir bu Fhrisealach e—a’ toirt aoidheachd do Mhac-Shimidh, seann cheann-cinnidh an fhine sin, a dh’ fhàg a thigh fein ’n uair chual e gu ’n robh am Prionnsa ann an Ionbhar-neis agus Diùc Chumberland ann an Abar-eadhainn, agus a thàinig air aoidheachd do thigh fhir-cinnidh ann an garbh-chrìochan Bhàideanaich. [TD 198] Ann an t-seòmar leis fhéin bha Mac Shimidh—’s e ceithir fichead bliadhna dh’ aois—’na shuidhe ann an cathair mhoir mu choinneamh an teine, ’s e cnuasachadh cia mar a b’ urrainn dha cumail a stigh air an dà thaobh aig an àm chigealtach so, agus a’ chuid a b’ fheàrr a bhi aige ge b’ e có a bhuidhneadh. Ciod air bith am buaireadh a thàinig orra air an latha so bha teaghlach na Gortlaig aotrom, aighearach. Bha fhios aca gu ’n robh blàr ri chur gu goirid, seadh dh’ fhaodadh e bhi gu ’n robh an da àrm am badaibh a cheile aig a’ cheart am ud, ach bha iad cho cinnteach gu ’m bitheadh a bhuaidh aig arm a’ Phrionnsa ’s nach robh e a’ cur smuairein orra. Mar so bha na mnathan uaisle—’s iad uile air taobh a’ Phrionnsa (mar a bha mhòr-chuid de mhnathan uaisle na h-Alba aig an àm)—ag ullachadh cuirme mar urram do ’n bhuaidh-làraich sin ris an robh gach sùil aca. Bha a’ chaileag bheag ’na suidhe ’na h-aonar shuas an staidhir, a’ cluinntinn na h-ùpraid ’s na stairirich a bha dol, agus ag amharc air na machraichean fàs a bha fa comhair. Gu h-obann, ’s gu h-iomlan sguir an ùpraid shios an staidhir agus shèap an té bheag a nuas ach ciod a bu chiall do so uile. Bha gach ni tosdach sàmhach anns an t-seòmar-shuidhe—bha an seann laoch Mac Shimidh ’na shuidhe taic’ an teine, cho crom ri Bodach na Geallaiche, ’s e fo smuairean. Bha an còrr de ’n teaghlach, fir is mnathan, ard is iosal, aig an dorus an geall air ni-eiginn fhaicinn a bha ’san t-sealladh. Rinn a’ chaileag bheag a rathad [TD 199] ’nam measg agus sheall i ach ciod a bha ri fhaicinn. Troimh na criathraichean glasa bha marcaichean a’ tighinn ’nan dian-ruith ged a bha na h-eich bhochda a bha ’g an giùlan fann agus sgìth, agus a’ tuiteam ’s a’ tuisleachadh. Bha am marc-shluagh a’ toirt thairis leis an sgìos, agus le diobhail-misnich. “Is iad na sìthichean a th’ ann,” ars a’ chaileag ’na h-inntinn fein, agus ann an tiota bha làmhan ri sùilean ’g an cumail fosgailte oir bha fhios aice nach faicear na daoine-sìthe ach eadar gach priobadh sùla. Ach cha deachaidh an aisling so as a sealladh mar a bha sùil aice, agus gu firinneach cha robh na sìthichean riamh ann a leithid de chur-thuige ’s a bha na truaghain bhochda a rinn an rathad gu dorus Tigh-na-Gortlaig. Air an ceann bha òganach bàn, bòidheach anns an éideadh-Ghàidhealach—deas, direach, le fiamh na h-uaisle air aghaidh a bha, mar thubhairt cuid de chairdean ’na deigh so, ealamh gu bhrath c’ àit’ air bith am faicteadh e. ’N uair a nochd e e féin ’s e ann a leithid de chur-thuige, dh’ éirich glaodh mór am measg an teaghlaich ’n uair a thuig iad co e. Cha robh feum air tuille innsidh; bha am Prionnsa ’na fhògarach: chaidh an cath a chur ’s a chall agus bha aobhar a’ Phrionnsa an geall na b’ fhiach e. Cha b’ e so an t-àm air son broin is cur-iomchoire: bha feum aig na daoine air biadh is deoch is gabhail aca; agus b’ e ’n gliocas am Prionnsa a chur air a rathad cunnartach gun mhoille. Ann an tiota stròic na mnathan uaisle an neapaicinnean-pòca [TD 200] agus cheangail iad creuchdan na bha leòinte, agus chuir iad fìon ’nan tairgse. Cha ’n ’eil fios cinnteach againn ciod a chaidh a ràdh anns a’ chonaltradh eadar am Prionnsa agus Mac Shimidh; cha ’n ’eil fhios againn co dhiu a thionndaidh an sean shionnach air a’ Phrionnsa ’s a rinn e tarcuis air ’na mhi-fhortan, no an robh uiread de ’n t-seann uaisle-Ghàidhealaich ann ’s a thug buaidh air féinealachd an t-seann chinn-chinnidh so. Ciod air bi mar bha, cha b’ e so an t-am ’g a chur seachad aon chuid ann am brosgul no ann an cur-iomchoire: rinn blàr fuilteach Chuil-fhodair, nach do mhair ré uair air a’ mhaduinn sin, beul-sìos a chur gu bràth air aobhar a’ Phrionnsa ’s a chàirdean. Bha na ceudan ’nan luidhe gun phlosg far an do thuit air achadh an àir, bha na ceudan ’n am priosanaich ann an làmhan an nàmhaid a b’ fhuiltiche a chunnacas riamh, agus bha na ceudan a’ feuchainn ri ’n dachaidhean anns na caoil-ghlinn ’s na sraithean a ruigheachd, cho luath ’s a bheireadh an casan iad; ’s air son a’ Phrionnsa e fhéin cha robh ni b’ fheàrr air thoiseach air na e fhéin fholach mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh e air taobh an iar Albann, ann an dòchas gu ’m faighteadh long a bheireadh a nunn do’n Fhraing e, a dh’fheitheamh cothrom a b’ fheàrr ’s a shireadh cuideachaidh. Bha prìs air a’ cheann, bha an nàmhaid air a thòir, ’s mar so cha robh de dh’ ùine ri chur seachad ach na dh’ fhóghnadh gu greim bìth itheadh agus gloine fìon òl. Aig Tigh-na-Gortlaig sgapadh a’ bhuidheann [TD 201] so, gach aon a’ gabhail a rathaid féin. Lean na h-oifigich Eirionnach, an Ridire Tòmas Sheridan, O’ Neill, agus O’ Sulibhàn am Prionnsa. Thàinig an triùir sgaoimearan so leis as an Fhraing ’s cha robh an comhairle daonnan glic; ach tha so ri radh air an son gu ’n do lean iad ris gu dìleas càirdeil ’n uair a bha e ann an teinn ro chruaidh. Bha aca mar fhear-iùil fear d’ am b’ ainm Eideard Burke, a bha mion-eòlach air gach slat de ’n ghrunnd mholach eadar Ionbhar-neis agus taobh an iar Albann, ’s bu mhath dhaibhsan gun robh. Re na h-ùine a bha e leis a’ Phrionnsa air allaban bha e aige mar ghille-cuim agus a dìoladh dha gach gràdh is ùmhlachd, mar a bu chleachda do gach aon a thàinig fo bhuaidh Theàrlaich òig Stiùbhart. Cha robh annta a nis ach buidheann bheag de dhaoine claoidhte leòinte, ach rinn iad an rathad mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad air an fheasgar fhuair Earraich ud. Mu dhà uair ’sa mhaduinn bha iad a’ dol seachad air làrach loisgte Chille Chuimein (Fort-Augustus). Aig briste na fàire bha iad aig Tigh Ionbhar-gharraidh ach bha fear an tighe an déigh a chasan a thoirt as, agus bha ’n tigh fuaraidh, fàs, na seòmraichean gun àirneis, agus gun ni air fhàgail air an deargadh fiacail. Ach cha ’n ’eil daoine sgith àilgheasach, ’s gun a bhi feitheamh ri an aodach a chur diubh, shuain iad iad-féin ’nam breacain, laidh iad air an ùrlar is chaidil iad gu socair oir bha iad air toirt thairis le dith-cadail. Bha e teann air tra-neòin ’n uair [TD 202] dhùisg iad—is bha iongantas orra biadh fhaicinn air a’ bhòrd. De bh’ ann ach gu ’n de éirich Burke glé mhoch agus thug e da bhreac eireachdail as a’ chairidh bha ’san abhainn. Anns an tigh so rinn am Prionnsa agus a ghille-cuim suaip aodaich air eagal gu ’n tuigeadh daoine có e am Prionnsa. Na dhéigh so rinn a’ bhuidheann an rathad troimh dhùthaich Loch-ial. Chuir iad an oidhche seachad le Camshron Ghlinne-pian, teann air ceann Loch Airceig, tuathanach gaisgeil teó-chridheach a nochd moran bàigh do ’n Phrionnsa, ’s a rinn cobhair air uair no dhà ’na dhéigh so. Bha am fonn anns a’ chearna so de ’n dùthaich cho mollach gharbh gu ’m b’ fheudar dhaibh deanamh as aogais nan each, agus streap air chois thar nam monaidhean mar a b’ fheàrr a b’ urrainn iad. Ann an làithean òige anns an Eadailt chleachd am Prionnsa a bhi ris an t-seilg agus mar so bha e comasach air cruadal a sheasamh. Bha an t-ionnsachadh òg chum moran feum dha a nis, agus dhìreadh e na monaidhean is thrialladh e measg an fhraoich cho teòma guanach ris na Gàidheil fein, agus dh’ itheadh e gu blasda gach gnè bhìdh a rachadh a thairgseadh dha, agus chaidleadh e air an raon, no rachadh e g ’a fholach fein ann an còsan neo-sheasgair gun ghruaim gun ghearan. Anns a’ cheàrna so air oidhche Dhi-sathuirne an naodhamh-là-deug, cha b’ urrainear àite-taimh a b’ fheàrr fhaodainn dha na seana bhothan-àiridh am measg nam beann. An t-ath latha, Di-dòmhnaich, thàinig iad a nuas [TD 203] gu ruig corsa na mara, agus fhuair iad aoidheachd ann an tigh Bhorodail bho Aonghas Dòmhnullach, fear-cinnidh do Mhac-’ic-Ailein. Naoidh miosan roimhe so ’n uair a thàinig am Prionnsa air tìr an deigh seòladh ás an Fhraing, ’s a chuir e e-fein an earbsa r’ a chàirdean Gàidhealach, bha uaill air Aonghas Dòmhnullach so, am Prionnsa a ghabhail mar aoidh. Lean aon d’a mhic, Iain, am Prionnsa agus bha e aig blar Chuil-fhodair ann an cuideachd Mhic-’ic-Ailein. Bha an teaghlach am beachd gu’n do thuit e anns a’ bhlar fhuilteach sin; ach cha do thachair so dha, mar a chual iad goirid ’na dheigh so. ’N uair a thàinig am Prionnsa a stigh do thigh a’ bhròin, chaidh e ’n taobh a bha mathair an fhir a bha iad ag caoidh, agus le deoir ’na shùilean dh’ fheòraich e am b’ urrainn dhi amharc air neach a dh’ aobharaich a leithid de dh’ àmhghar dhi. “Is urrainn,” fhreagair am boirionnach calma so, “bhiodh pròis orm còmhnadh a thoirt do ’m Phrionnsa ged a chaillinn gach mac a th’ agam ’na aobhar, oir ged a thachradh sin cha d’ rinn iad ach an dleasannas.” ’N uair a bha Teàrlach a’ leigeil ’anail ann am Boradail chuir e òrduighean a dh’ ionnsaidh fuigheal an airm a bha aig an am so air tional aig an Ruthainn. Bha iad ri sgapadh, sgriobh e, agus a’ chuid a b’ fheàrr a dheanamh de ’n chuid a bu mhiosa, agus feitheamh gus an tigeadh cothrom a b’ fheàrr mu ’n cuairt, agus an sin bha esan an dòchus ri tilleadh le còmhnadh choigreach as an Roinn-Eòrpa. Bha leithid de dh’ òrduighean ’nam briste- [TD 204] cridhe do na gaisgich fhearail a chaill an cuid an t-saoghail ann an aobhar a’ Phrionnsa, ’s a bha nis fo bhinn, ’s ’nam fògaraich bhochda gun dachaidh ris an tilleadh iad. Bha sùil aig Teàrlach agus aig a’bheagan dhaoine a lean ris, aon uair ’s gu ’n ruigeadh iad an còrsa gu ’n tigeadh crìoch air an cruaidh-chàsan, ’s gu ’m faigheadh iad long a bheireadh sàbhailte do ’n Fhraing iad gun mhoille. Ach ’n uair a ràinig iad Borodail chual iad gu ’n robh luingeis-chogaidh Shasunnach a’ faireadh gach òb is cala. Bha iad a’ taghal anns gach camus is geodha air tìr-mor, agus a rannsachadh gach eilein ann an Innse-Gall, seadh cho fada mach ri Iort. Is e oighre òg Mhic-’ic-Alastair agus Aonghas Dòmhnullach, ceann Loch Muideirt a thàinig a nall as an Fhraing leis a’ Phrionnsa, a ghiùlain an sgeul dorranach so. Cha robh Aonghas ach air tilleadh á Uibhist mu dheas far an robh iomadh tearnadh caol aige bho na luingeis Shasunnach. Sparr e air a’ Phrionnsa, gu ’n robh e e-comasach do long sèapadh seachad air na luingeis-chogaidh a bha am beul gach camuis, agus mar sin gu ’n robh e faoin a bhi smaoineachadh air seòladh as a sin do ’n Fhraing aig an am so, ach na ’n robh e’n comas do’n Phrionnsa a rathad a dheanamh gus na h-eileanain a b’ fhada mach ’theagamh, na ’n d’ fhuair e soitheach freagarach, gu ’m bitheadh e air uchd a’ chuain mu ’n cluinneadh an nàmhaid gu’n do sheòl e. Air an aobhar sin shocraich iad gu ’n seòladh Teàrlach [TD 205] le buidhinn bhig gus an Eilean-fhada. Mar fhear-iùil air an turas-cuain so bha aca Dòmhnull Mac Leòid á Galtrigill, ’s an Eilean Sgitheanach, a bu stiùireadair air a’ bhàta a thug Aonghas Dòmhnullach á Uibhist. Bha Dòmhnull ’na fhear malairt, agus ’na dhuine pongail, geur, glic—“cho fada ’sa cheann sa bha Fionn ’s na casan.” Ged a bu Leòdach e bha e na fhìor charaid do ’n Phrionnsa, agus gabh e ’san arm Ghàidhealach ’n uair a bha iad ann an Ionbhar-neis. Bha mac aige—giullan òg—anns an sgoil anns a’ bhaile sin, agus ’n uair chual e gu ’n robh coltas air cùisean tighinn gu aona-cheann aig Cuil-fhodair, fhuair e coingheall dag agus biodag agus thog e air ’s bha e ann an teis na tuasaid air latha Chuil-fhodair. Fhuair a ás gun bheud gun mhilleadh agus lean e lorg a’ Phrionnsa gu Borodail, a ràinig ann an am àite a ghabhail air chùl raimh anns an ochd-ràmhach a bha ’athair dol a stiùireadh, ’s a bha ris a’ Phrionnsa a ghiùlan gus an Eilean-fhada. Bhuineadh am bàta so do Iain Dòmhnullach mac Fir Bhorodail—nach do thog ceann ’o latha Chùil-fhodair—oir thug an teaghlach so an cloinn ’s an cuid do dh’aobhar a’ Phrionnsa. Mu chiaradh an fheasgair air an t-seathamh-là-fichead de ’n Ghiblin sheòl an sgioba so leis a’ Phrionnsa à Loch-nan-uamh. Is gann a bha iad air seòladh ’n uair a dh’ eirich stoirm eagallach—stoirm cho gàbhaidh ’s a shéid riamh á adhar—b’ e sin barail Dhòmhnuill Mhic Leòid, ’s bha e sean [TD 206] eòlach air gàbhadh cuain. Thoisich am Prionnsa air griosadh orra am bàta, a leigeil a stigh air a’ chladach; ach bha Dòmhnull Mac Leòid tuille ’s eòlach air a’ chladach chreagach gu éisdeach ris. B’ e ’n gliocas dhaibh aghaidh thoirt air a’ chuan. Bha an oidhche dorcha ’s an dìle uisge ann; bha iad gun leus solais ’s gun chombaist. Bha Teàrlach bochd ’na shuidh air a h-ùrlar ’s a cheann eadar dà ghlùn Dhòmhnuill Mhic Leòid. Bha gach neach balbh leis an eagal, oir bha sùil aca gach tiota ri bhi ann an grunnd a’ chuain no air an sadadh ris na creagan. Re dhà no trì uairean bha am bata a’ ruith leis anns an dorchadas, ach mar thuirt Dòmhnull—“Taing do ’n Fhreasdal, mu bhriste na fàire thuig sinn gu ’n robh sin aig corsa an Eilean-fhada, ’s thug sinn ar n-aghaidh ris an fhonn a bu teinne oirnn agus ciod a bha so ach Roisnis ann am Beinn-na-faodhla.” ’N uair chaidh iad air tìr cha robh ri fhaicinn ach seana bhothan iosal gun uinneag gun luidhear. ’S e ùrlar dubh a bha ’s a bhothan dorcha so, ’s ’n uair thog iad smùid cha mor nach deachaidh an dalladh ’s an tacadh le toit na mòna. Ach co dhiu b’ urrainn iad an aodach a thiormachadh agus lochd cadail fhaotainn ged nach robh aca mar leapa ach seòl air a sgaoileadh air an ùrlar. Ghabh iad fois an so re dha latha, agus ’na dheigh sin fhuair iad fasgath bu sheasgaire ann an eilean Sgalpa le fear fearainn—ged a bu Chaimbeulach e—a bu charaid aig Dòmhnull Mac Leòd, a ghabh riutha gu càirdeil, fialaidh. [TD 207] CAIBIDEIL II. Anns an Eilean-fhada. B’ E rùn an turais do ’n Eilean-fhada feuch am faigheadh iad long a ghiùlaineadh am Prionnsa ’s a chàirdean sàbhailte do ’n Fhraing. Bha luingeis de ’n t-seòrsa so ri fhaotainn ann an Steòrnabhadh, agus leis gu ’n robh Dòmhnull Mac Leòid ’na dhuine pongail agus eòlach mar fhear-malairt anns a’ bhaile sin, bha e ’m beachd gu ’n rachadh aig air long fhastadh le ’chumail a mach gur ann a bha e dol mu thuath a mhalairt anns na h-Orcaibh. Bha am Prionnsa ri fuireach samhach ann an eilean Scalpa gus an cuireadh Dòmhnull fios orra. Air an treas latha de ’n mhios Mhàigh ràinig fios iad gu ’n robh long is sgioba deas gu seòladh a Steòrnabhadh ’s gu ’n robh am Prionnsa ’s a chuideachd ri tighinn air an aghaidh gun mhaille. Leis a’ ghaoth a bhi ’n ceann cha robh e comasach dhaibh seòladh do Steòrnabhadh agus b’ fheudar do ’n Phrionnsa ’s an dà Eirionnach a bha leis an deich-mìle-fichead a thriall d’ an cois. Cha robh eadhoin frith-rathad troimh na fàsaichean mòintich ’s na boglaichean, ’s mar a bha a’ bhochdainn an dàn dhaibh shil an dile uisge, agus, leth na truaigh! chaill am fear-iùil a rathad anns an dorcha, agus chuir so ochd-mìle ris an asdar. Bha iad fliuch gus an craicionn, agus anfhann leis an acras ’n uair a thachair Dòmhnull Mac Leòid orra mu [TD 208] dhà mhìle mach a Steòrnabhadh. Thug aran is càise is deur beag de shùgh an eòrna faochadh d’ an cuirp agus thog an inntinn ’n uair chual iad gu ’n robh dùil aca seòladh air an ath latha do ’n Fhraing. Thug Mac Leòid iad do thigh ann an Cill-duinn a bhuineadh do bhana-charaid dha fein, agus ged a bu bhana-Leòdach i bha i, mar a bha na mnathan am bitheantas, air taobh a’ Phrionnsa. A’ fagail a’ Phrionnsa ’s a chàirdean a’ gabhail greim bith, a’ cur bhadan tioram orra, ’s ’g an garadh fein aig an teine. ’s iad uile toilichte gu ’n robh leabaidh sheasgair air bhrath aca anns an sìneadh iad an lurgainnean sgìth, chaidh Dòmhnull air ais do Steòrnabhadh làn misnich a chur gach ni an làn uidheam air son an ath latha. Ann an ceithir-uaire-fichead bhitheadh an long fo sheòl ’s bhitheadh a chuid a bu mhiosa seachad. Cha luaithe a ràinig Steòrnabhadh na thuig e gu ’n robh rud-éiginn ceàrr. Bha mu thrì cheud de ’n arm fhuasgailte (Militia) fo ’n làn airm agus am baile uile air a luasgadh. Tha e coltach gu ’n do ghabh h-aon de sgioba na luingeis cus de mhac-na-bracha agus leig e mar so ruith d’ a theanga, ag innseadh le brosgul gu ’n robh am Prionnsa aig laimh le ceithir cheud fear agus gu ’n robh e dol a thoirt a mach leis an laimh-laidir a ni sin nach faigheadh e le saor-thoil. Is ann de Chloinn Choinnich a bhuineadh a’ mhòr-chuid de mhuinntir Steòrnabhadh agus bha e mar fhiachaibh orra bhi dìleas do ’n Ceann-cinnidh Mac Coinnich a bha daingeann air taobh an luchd- [TD 209] riaghlaidh. Bithidh so daonnan cliùiteach dhaibh nach d’ iarr iad ach gu ’m fàgadh am Prionnsa a’ choimhearsnachd. Cha robh fear ’nam measg a thug iomradh air gu’n robh deich-mile-fichead punnd Sasunnach ri bhuidhinn na’n glacadh iad am Prionnsa. Bha Dòmhnull cho earbsach a Chloinn Mhic Coinnich gu ’n d’ aithris e ann an cuideachd làn tighe de na seoid so: “Cha ’n ’eil le Teàrlach ach dà chompanach, ’s ’n uair a bhitheas mise leis bithidh triùir againn ann, ach their mi so: ged a bhitheadh Mac Coinnich e fhéin an so cha bhitheadh a dh’ anam aige corrag a chur air a’ Phrionnsa.” Bha colg air Dòmhnull ’n uair a labhair e na briathran so a chuireadh fiamh air na samhanaich, ach ged nach do fhreagair Cloinn Choinnich e spar iad air gu ’m feumadh e fhéin ’s na bha leis triall gun dàil, ach dhiùlt iad stiùireadair á Steòrnabhadh a leigeil air bòrd. Ged a thairg Dòmhnull coig ceud punnd Sasunnach air stiùireadair, cha leigeadh an t-eagal leotha a ghabhail, agus mar so b’ fheudar do Dhòmhnull tilleadh gu diùididh gus a’ Chill-duinn agus innseadh do ’n Phrionnsa gu ’m feumadh e chasan thoirt as cho luath ’s a b’ urrainn e. Ach bha Teàrlach bochd ’s an dithis a bha leis cho sgìth nach tugadh eadhoin an t-eagal gu’n rachadh an glacadh, orra tilleadh air an fheasgar ud an taobh a thàinig iad, ’s gun fhios aca co an taobh air an tugadh iad an aghaidh; agus b’ fheudar do Dhòmhnull feitheamh gu foighidneach gus an ath latha. [TD 210] Aig ochd uairean ’sa mhaduinn sheol iad ann am bàta, a’ bhana-Leòdach a càradh leotha min, feòil, agus siùcar cho math ri drudhag bheag de bhranndi. Air do ’n latha a bhi fiadhaich, sgreunach chaidh iad air tìr air Eilean Iubhard—eilean beag fàs air am b’ abhaist do iasgairean Steòrnabhaidh a bhi tiormachadh éisg. Eadar a’ bheagan éisg a fhuair iad a’ tiormachadh air na creagan agus na chuir a’ bhana-Leòdach anns a’ bhàta, chuir iad seachad beagan laithean glé sheasgair. Chaidh Eideard Burke a chur ris a’ chòcaireachd, ach cha robh e fad’ aice ’n uair a thuig e gu ’m b’ e am Prionnsa a b’ eòlaiche air a’ chòcaireachd na esan. B’ e am Prionnsa a’ cheud fhear a smaointich air im a ghabhail mar annlann leis an iasg, agus latha bha sin rinn e bonnach éibhinn le eanchainn bò oibreachadh le min-choirce, agus thug e òrdugh am bonnach a bhi donn air neo nach b’ fhiach e itheadh. B’ abhaist do Dhòmhnull Mac Leòid a ràdh nach fhac e riamh fear a b’ fheàrr air cur suas le cruaidh-chasan, no duine a b’ innleachdaiche na am Prionnsa. Coltach ri iomadh duine mi-fhortanach, ard no iosal, fhuair Teàrlach faochadh anns an tombaca. Cha robh aig ach pìoban creadha ’s nuair a bhriseadh iad air b’ àbhaist dha an càradh le iteagan gheadh. B’ àbhaist do Dhòmhnull naigheachd eile innseadh mu shocharachd a’ Phrionnsa aig an àm so. A’ fàgail an eilean dh’ fheumadh e airgiod fhàgail air na creagan a phàigheadh an éisg a dh’ ith iad. [TD 211] Bha cùisean a nis a fàs teann. Bha nàimhdean a’ Phrionnsa a bha ag iathadh mu ’n cuairt air o latha Chuil-fhodair, a nis gu dian air a lorg. Chualas gu ’n robh e ’ga fholach féin anns an Eilean-fhada, agus chaidh dà shoitheach cogaidh a chur a sheòladh mu ’n eilean sin agus bha bàtaichean a’ taghal anns gach òb is geodha an toir air Teàrlach. Aig a’ cheart am bha sgaoth shaighdearan a’ rùdhrach gach uaimh is còis air tìr anns an gabhadh duine folach. Bha cuid de na saighdearan eòlach air gach cùil de ’n eilean, oir bu mhuinntirich iad, agus cha bhitheadh e furasda do ’n Phrionnsa cumail á ’n làmhan; ach bha cuid de na h-oifigich aig an robh taobh blàth do Theàrlach ged a bha iad ann am pàigheadh an luchd-riaghlaidh. Ré iomadh là bha am bàta anns an robh am Prionnsa air a sìor ruagadh agus mar sin cha robh e comasach do ’n sgioba dol air tìr. Chaidh am biadh an gainnead gus nach robh aca mu dheireadh ach min choirce is sàile—biadh gairisneach ris an abair na Goill “Drummock.” Mu dheireadh stiùir iad am bàta do bhàigh uaignich ann am Beinn-na-faodhla, far an robh iad saor o ’n ruaig. A leigeil fhaicinn cho aotrom, iollagach ’s a bha ’m Prionnsa, tha e air aithris ’n uair a leum e air tìr gun deachaidh e fhéin is cuid de ’n sgioba le sodan a rùdhrach nam faice-ghiomach. Mur a bhi gu ’n d’ fhuair iad còmhnadh aig an àm so, bhiodh Teàrlach ’s a chuideachd air dol bàs leis an acras; air neò thuiteadh iad ann an làmhan [TD 212] an nàimhdean. Chuir am Prionnsa fios a dh’ionnsaidh an t-seann laoich Mac-’ic-Ailein—aig an robh seilbh anns an àm air a’ mhor chuid de Uibhist a’ chinne deas—a’ guidhe air tighinn g’ a fhaicinn. Mu naoi mìosan roimhe so, ’n uair a thàinig am Prionnsa ás an Fhraing ’s a chaidh e air tìr anns an eilean so, dhùilt Mac-’ic-Ailein tighinn g’ a fhaicinn, a’ tagradh mar leisgeul gu ’n robh e breòite agus aosmhor. Thàinig a bhràthair, Fear Bhothasdail, g’ a fhaicinn aig an àm sin agus chomhairlich e dha tilleadh do ’n Fhraing, agus ’n uair chunnaic e gu ’n robh am Prionnsa an geall air a thoil féin a leanailt, dh’ innis e dha nach fhaigheadh e cuideachadh air bith o Mhac-’ic-Ailein no a luchd-leanailt, agus ged a dh’ eirich oighr’ òg Mhic-’ic-Ailein leis a’ Phrionnsa, cha b’ ann gun teagamh a bha e ciamar a dh’ éireadh dhaibh. Ach a nis, an uair a bha Teàrlach bochd ’n a fhògarach, ’s e ann an teanndachd chruaidh, cha bu ruith ach leum leis an teaghlach ghaisgeil so dol g’ a chòmhnadh. A dh’ aindeoin aois is anfhannachd thog an seann laoch e féin air agus ràinig e am bothan bochd anns an robh Teàrlach g’ a fholach féin, a’ toirt leis biadh is deòch—fion na Spàinnt—brògan is stocainnean. Anns a’ bhothan dhubh, dhorcha, nach bu mhotha na fail muice, ’s a bha a cheart cho sàlach ris, fhuair e an t-oganach d’ an tug e urram mar a rìgh dligheach, ’s e lom, fann, is neul an acrais air. Mar a thuirt Dùghall, gille Mhic-’ic-Ailein, “bha léine a’ Phrionnsa cho [TD 213] lachdunn odhar ri léine ceaird.” An uair a chuala baintighearna Mhic-’ic-Ailein mu ’n léine, ràinig e a cridhe banail truacanta agus chuir i gun dàil sè léintean caola g’ a ionnsaidh. Ré thrì seachdainean ’na dheigh so fhuair Teàrlach faochadh fo thearmunn Mhic-’ic-Ailein ’s a bhràthair Fear Bhothasdail. Fhuair iad tigh-folaich dha ann am frìth Ghlinn Coradail, a bha gu math na bu mhotha ’s na bu sheasgaire na’m bothan dubh a dh’ fhàg e. Air dhaibh freiceadain dhileas a shuidheachadh air gach cnoc is màm, bha forfhais aig Teàrlach air gach oidheirp a bha nàimhdean a’ deanamh chum a ghlacadh. B’ e ’n t-òg-mhios a bh’ ann, ’n uair a tha na làithean fada blàth, agus am feasgar a’ sìneadh gus a’ chamhanaich, ’s cha ’n ’eil oidhch’ idir ann. Tha ’n t-seilg math ann an Uibhist mu dheas, agus leis gu ’n robh am Prionnsa an dà chuid toigheach agus teòma air a’ ghunna, b’ abhaist dha ioghnadh chur air a chompanaich cho math ’s a bha ’chuimse, ’s cho sgiobalta ’s a bheireadh e gu talamh eun air iteig. Bha e toigheach air iasgach, agus is tric a leag e damh na cròice le peileir. Uair a bha sin bha Burke, gille a’ Phrionnsa, a’ cur an òrdagh colag á fiadh a mharbh am Prionnsa, ’n uair a thàinig balach lom acrach an rathad ’s a sgioblaich e leis a’ cholag gun urrad is “le ’r cead” a ràdh, agus thòisich e air itheadh gu gionach, amh ’s mar bha e. Rug Burke air a’ bhalach is thòisich e air a lunndraigeadh, ach chaidh [TD 214] am Prionnsa ’s an eadraiginn, ag ràdh ri Burke gu ’m b’ e gniomh Crìosdail an t-acrach a bhiadhadh, “Cha ’n urrainn dhomh,” ars’ esan, “neach fhaicinn lomnochd, no air acras, gun a chuideachadh ma tha e idir ’n am chomas.” Air dha biadh is aodach a thoirt do ’n bhalach so, ciod a rinn esan ach dol dìreach an taobh a bha buidheann de ’n arm-fhuasgailte a bha ’n toir air Teàrlach a dh’ innseadh dhaibh far an robh am Prionnsa ’g a fholach. Taing d’ a chruth ’s d’ a choltas cha do chreid iad a sgeul, ’s ann a rinn iad gaire-mhagaidh air. Ged a bha fhios aig còrr is ceud, àrd is iosal, air àite-folaich a’ Phrionnsa aig an àm so b’ e “Iùdas òg” so an t-aon neach a leig orra gu ’n robh e ’s a choimhearsnachd. Ach cha b’ann am measg nan càirdean a dh’éirich leis a’ mhàin a fhuair Teàrlach càirdeas is caoimhneas. B’ iad an dà cheann-cinnidh bu treise air taobh ’n iar-thuath Albann aig an àm so Mac Leòid Dhùn-bheagain, agus an Ridire Alasdair Dòmhnullach, Fear Mhugstad, ’s an Eilean Sgitheanach. Cha d’éirich iad so leis a’ Phrionnsa (nì a chuir ioghnadh mòr air càirdean Theàrlaich), ’s ann a nochd iad eud mòr air taobh luchd-riaghlaidh na rìoghachd, agus rinn iad na dh’ fhaodadh iad chum na fineachan eile a chumail gu ’n éirigh leis a’ Phrionnsa; ach ann an teaghlach Mugstad bha caraid dìleas aig Teàrlach anns a’ Bhana-ridire, Mairearad, bean an Ridire Alasdair. Bhuineadh i [TD 215] do theaghlach Eglintoun, ’s chaidh a teagasg a bhi bàigheil do dh’ aobhar a’ Phrionnsa, agus a nis, ’n uair a bha an Ridire e fhéin bho ’n tigh, rinn i na b’ urrainn i a chuideachadh Theàrlaich a bha ’n teinn chruaidh. Le còmhnadh Uisdein Dhòmhnullaich ’s a’ Bhaile-shear chum i Teàrlach am forfhais air gluasad a nàimhdean, agus chuir i paipearan naigheachd g’ a ionnsaidh. Mu dheireadh an Og-mhios bha an luchd-riaghlaidh glé chinnteach gu ’n robh Teàrlach ’g a fholach fhéin anns an Eilean-fhada, agus thòisich iad air iadhadh mu ’n cuairt an eilein so. Chaidh dà long-chogaidh a chur gu còrsa an eilein fo chomannda a’ Chaiptein Scott agus a’ Chaiptein Mhic Fhearghuis—dà dhuine a fhuair am fòghlum ann an neo-thruacantachd bho mhaighstir na h-an-iochd, Diùc Chumberland—agus chaidh buidheannan de ’n arm fhuasgailte a chur a rannsachadh an eilein bho cheann gu ceann. Mar so, b’ fheudar do Theàrlach Gleann Coradail fhàgail, agus chuir a’ Bhan-ridire, Mairearad, a caraid dìleas Fear a’ Bhaile-shear g’ a ionnsaidh a ghabhail a chomhairle ach ciod a bha ri dheanamh. Chuir Uisdean a’ Bhaile-shear a chomhairle ri Fear Bhothasdail—duine geur-chuiseach, glic, agus fior charaid do ’n Phrionnsa—agus shocraich iad gu ’n coinnicheadh iad le cheile ann an tigh-frithe Ghlinn Coradail. A dh’ aindeoin gach cruadail, ’s gach cunnairt, agus cho neo-chinnteach ’s a bha na bha rompa, bha a’ choinnemh cridheil sunndach. Shuidh an dithis [TD 216] aig bòrd leis a’ Phrionnsa ’s gun aca ach toitean dubh bharr nan cabar agus im saillte, ach neo-ar-thaing mur robh an conaltradh inntinneach. Dhi-chuimhnich iad gu ’n robh aobhar a’ Phrionnsa fo neul tiugh aig an àm, ’s ged a bha fhios aca gu ’n robh an nàimhdean a’ campachadh glé theann orra, labhair iad gu dòchasach mu thachairt fhathasd ann an aros an Righ ann an Lunnainn, am Prionnsa e fhéin ag ràdh—“A dh’ aindeòin gach ùpraid tha mu ’n cuairt, bithidh co dhiu aon oidhche chridheil agam le m’ chairdean Gàidhealach.” Ach b’fhad’ air falbh Lunnainn o Ghleann Coradail, agus bha e fàs gach latha na bu chinntiche gu ’m feumadh am Prionnsa Uibhist fhàgail ma bha toil aige a cheann a theàrnadh. B’ fheudar a’ bheatha sheasgair a bh’ aca ann an Gleann Coradail a thoirt suas agus ré dheich laithean, bha dachaidh a’ Phrionnsa ’s a sgioba air a’ mhuir, a’ deanamh falach-fead air an naimhdean air muir ’s air tìr mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad. Chaidh an duilgheadasan an lionmhorachd agus thuit am misneach ’n uair chual iad gu ’n deachaidh an caraid fialaidh Fear Bhothasdail a ghlacadh. Is e aon de na nithean is comharraichte mu allaban a’ Phrionnsa nach bu luaithe a chaill e aona charaid dìleas feumail, na dh’ éirich caraid eile a suas a ghabhail ’àite. Aig an àm so ’s ann á camp nan nàimhdean dh’ éirich caraid a’ Phrionnsa. B’ e aon de dh’ oifigich an arm fhuasgailte ann an Beinn-na-faodhla aig an àm so Uisdean Dòmhnull- [TD 217] ach Armadail ’s an Eilean Sgitheanach, fear de mhuinntir an Ridire Alasdair Dòmhnullach, ach coltach ri iomadh Dòmhnullach eile bha chridhe ’n geall air Teàrlach. Cha ’n ’eil fios cinnteach againn dé na rinn e chum cothrom a thoirt do ’n Phrionnsa teicheadh le bheatha. Bha Dòmhnull Mac Leòid agus cuid de na bha leis cinnteach gu ’n do thachair am Prionnsa agus Uisdean aig Ros-nis agus gu’n tug am Prionnsa dha an dà dhag a bha e giùlan. Coma co dhiu bha dalta aig Uisdean, Fionnaghal Dhòmhnullach—nighean a bha comharraichte ’na beusan agus gaisgeil, teòma. Bha i am bitheantas a chomhnaidh le a màthair an Armadail ’s an Eilean Sgitheanach, ach thuit dhi bhi aig an àm so air thuras gu a bràthair ann an Uibhist mu dheas. Tha e duilich innseadh co a bhreithnich an toiseach air a’ Phrionnsa a chur fo a cùram ann an riochd seirbheiseach, chum an t-aiseag fhaotainn dha ás an Eilean-fhada; ach tha e coltach gu ’n robh conaltradh no dha aca le O’ Nèill mu ’n chùis. Air Di-sathuirne, an t-aona là fichead de ’n òg-mhios air dhaibh a bhi air an ruagadh gu teann leis a’ Chaiptein Scott, dhealaich Teàrlach ri chàirdean dìleas ann an Uibhist, a’ pàigheadh a sgioba cho fialuidh ’s a leigeadh a sporan sliom leis. Le dà léine ghlain fo achlais, agus le O’ Néill mar sheirbheiseach, thug e aghaidh air Beinn-na-faodhla. Rainig iad mu mheadhon oidhche, agus chaidh iad do bhothan-àiridh beag a’ bhuineadh do Dhòmhnullach Airidh Mhuilinn, agus mar thuirt O’ Nèill, [TD 218] “gu fortanach co thachair oirnn ach Fionnaghal Dhòmhnullach, air an do chuir mi eòlas roimhe so.” Tha e duilich a thuigsinn cia mar a bhiodh Fionnaghal, no nighean stuama bheusach coltach rithe a’ taghal am bothain-àiridh mu mheadhon oidhche, gu sonraichte ’n uair a bha a leithid de dh’ùpraid ’s an eilean agus a leithid de shaighdearan air ghluasad ’s an àm. Ni mò a bha toiseach a conaltradh le O’ Nèill a nochdadh gu ’n do chuir e iongantas oirre tachairt air anns an àite sin. “Dh’ innis mi dhi,” arsa O’Nèill, gu ’n tug mi caraid ’g a faicinn, agus dh’ fheòraich i dhiom am b’ e ’m Prionnsa a bh’ ann. Fhreagair mi gu ’m b’ e, agus thug mi ’na fianuis e. Am measg nan Gàidheal teó-chridheach a bha ullamh gu an cuid de ’n t-saoghal a chur an geall air son Theàrlaich cha d’ amais e riamh air h-aon cho gaisgeil thruacanta ris an nighean eireachdail air an do chuir e eòlas air an oidhche ud ann an suidheachadh cho cunnartach agus cho neònach. Chaidh a leigeil ris dhi mar a bha cùisean a’ seasamh, agus gur e bha ’n am beachd gu ’n tugadh ise leatha am Prionnsa, ann an riochd mnatha, mar a ban-sheirbheiseach. ’S i nighean stéidheil phongail a bh’ ann an Fionnaghail agus bha làn fhios aice air a’ chunnart a bha roimpe ann a bhi gabhail a leithid de thuras as làimh—cha b’ e mhain dhi fhéin ach d’ a càirdean. Cha b’ ann gun teagamh a ghabh i as làimh an gnothuch, ach aon uair ’s gu ’n do rinn i suas a h-inntinn, rachadh [TD 219] i troimh uisge ’s teine gus a’ chùis a ghiùlan a mach, agus mar sin leag i h-inntinn air gu buileach. Chaidh a shocrachadh gu ’n rachadh i an ath latha a ghabhail comhairle bain-tighearna Mhic-’ic Ailein, agus a dh’ fhaotainn aodach boirionnaich a fhreagradh do ’n Phrionnsa. An uair a bhiodh cùisean deas bha iad uile ri coinneachadh aig Ros-nis, ann an Beinn-na-faodhla, agus gus a sin ghabh O’ Nèill as làimh a bhi ’na ghille-gnothuich eadar am Prionnsa agus Fionnaghal. Thill am Prionnsa agus O’ Nèill gu àite-folaich teann air Gleann-Coradail agus chaidh Fionnaghal Dhòmhnullach gu Airidh Mhuilinn. Bha aice ri dol, air an àth latha troimh h-aon de na fadhail air a rathad gu Ormaicleit, far an robh tigh Mhic-’ic-Ailein. Bha am fhadhail so air a dhlùth choimhead le buidhinn de ’n arm-fhuasgailte, agus ’s e bh’ ann gu’n do ghlac iad Fionnaghal agus a gille, Niall Mac Eachainn a chionn nach robh cead-siubhail aca. Bha cùisean a nis da-rireadh doirbh, agus bha maille gach uair ’g an deanamh na bu doirbhe. Ach thug e faochadh nach bu bheag do Fhionnaghaǐl ’n uair chual i gu ’n robh a’ chuid so de ’n arm fo chomannda a h-oide Uisdean Dòmhnullach agus gu ’n robh suil ris air a’ mhaduinn sin. ’N uair a ràinig e ghabh e air mór iongantas a bhi air ’n uair chual e gu ’n robh a dhalta ’na priosanach aca, agus gu ’n tuille a ràdh tharruing e mach paipearan-siubhail air son a dhalta, agus air son Nèill a gille, agus air son ban-Eireannaich do ’m [TD 220 b’ ainm Betty Burke a bha toil aig Fionnaghail a thoirt leatha do ’n Eilean Sgitheanach. Cha ’n e mhàin so ach sgriobh e gu mhnaoi a’ toirt teisteanais mhaith do ’n nighin Eireannaich. “Tha mi cur do nighean dhachaidh as an eilean so,” sgriobh e, “air eagal gu ’n cuir na bheil de shaighdearan an so sgeunadh oirre. Tha aice leatha ban-Eireannach do ’n ainm Betty Burke a tha i ’g ràdh a tha ro-mhath air calanas. Ma thaitneas a sniomhadh riut, faodaidh tu a cumail gus an sniomh i an lìon dhuit. A dh’ aindeoin na cunnairt anns an robh i, cha ’n ’eil teagamh nach iomadh feala-dhà a bh’ aig Fionnaghail ’s a h-oide ann a bhi dealbh nam breugan riochdail so.” Cho luath ’s a chaidh a cur mu sgaoil chaidh Fionnaghal an taobh a bhain-tighearna Mhic-’ic-Ailein ann an Ormaicleit agus chuir ise a h-aonta ris gach ni a chaidh a dheanamh. Thagh iad am measg a h-aodach còta-bhioran bàn agus gùn car soilleir, apran agus cleòca fada de chùrainn dhubh-ghorm air son Betty Burke. Tha mnathan Gàidhealach am bitheantas àrd, pearsanta; bha am Prionnsa còig troighean ’s deich oirlich—airde chuimseach air son fir, ach ann an éideadh mnatha bha e ’g amharc gle neo-bhanail. Is ann air Di-h-aoine an cóigeamh-la-fichead a fhuair iad cothrom air dol do Ros-nis a choinneachadh a’ Phrionnsa mar gheall iad. Bha na ceithir laithean roimhe sin làn dhoilgheasan do Theàrlach agus do O’ Nèill. Bha na fadhail eadar an dà eilean [TD 221] air an dion leis na saighdearan ’s nach robh e comasach dhaibh dol thairis air chois; cha robh bàt’ aca ’s bha na h-uairean a’ dol seachad gu cianail fadalach dhaibhsan a bha fo eagal. Mu dheireadh ghlac iad de mhisneach an t-aiseag iarraidh air sgioba a bha dol thairis agus fhuair iad sàbhailte gu Beinn-na-faodhla. Ach ’n uair a ràinig iad am bothan-àiridh aig Ros-nis, ’s iad fuar, fliuch agus sgìth thuig iad gu ’n robh buidheann de na saighdearan-fuasgailte a campachadh dluth aig làimh, agus gu ’m biodh na saighdearan a tighinn do ’n bhothan an toir air bainne, moch is anamoch. Bha Teàrlach bochd air fàs cleachte ri bhi a ghnàth an cunnart a bheatha, agus aig briste fàire gach latha dh’ fhàgadh e am bothan a sheachnadh a naimhdean, a’ gabhail fasgath re an latha ann an sgoltadh creige, gun dion gun fhasgadh, far an robh e air a leth-bhathadh leis an uisge, no air itheadh leis na meanbh-chuileagan ’n uair thigeadh an turadh. Air Di-h-aoine chaidh na saighdearan air ghluasad agus air do ’n rathad a bhi nis réidh, thainig Bain-tighearna Mhic-’ic-Ailein, Fionnaghal Dhòmhnullach, agus a Bhain-tighearna Dhòmhnullach a Circebost a dh’ fhaicinn a’ Phrionnsa agus O’ Nèill do ’n bhothan-àiridh, a’ toirt leotha éideadh a’ Phrionnsa. Fhuair na mnathan uasal so am Prionnsa a ròstadh grudhan caorach air bior. A dh’ aindeoin a’ bhothain duibh ’s an suidheachadh mi-shona ’s mi-sheasgair anns an robh iad bha e cho cùirteil ghrinn ’s a bha e riamh. Chuir e Fionnaghal Dhòmhnullach [TD 222] ’na suidhe aig a dheas làimh agus Bain-tighearna Mhic-’ic-Ailein air an làimh eile, agus ghabh iad an tràth neònach so gu cridheil. Ach mu ’n d’ fhuair iad crìoch a chur air, thàinig fios a dh’ ionnsaidh Bain-tighearna Mhic-’ic-Ailein gu ’n robh an Caiptein Mac Fhearghuis aig Ormaicleit agus e a’ feòirich gu h-amharasach dalma air son bean-an-tighe. B’ fheudar do ’n Phrionnsa a nis dealachadh ri O’ Nèill ged a bha ’n duine truagh a’ griosadh air a chumail. Cha robh aig Fionnaghail ach paipearan-turais air son triùir agus bha an cunnart cruaidh ’s cha robh ùine ri chur seachad. ’S e seirbheiseach dìleas blàth-chridheach a bh’ ann an O’ Nèill ged a bha e air uairibh làn brosguil, agus gle mì-thoinisgeach. Dh’ fhaodadh e beagan ’na dheigh so a bhi air seòladh do ’n Fhraing—mar a rinn O’ Sùilibhan—ann an soitheach Frangach, mur a bhi gun deachaidh e an tòir air a’ Phrionnsa do ’n Eilean Sgitheanach, chum a thoirt leis. Cha d’ amais e air a’ Phrionnsa, ach thuit e ann an làmhan a’ Chaiptein Mhic Fhearghuis. [TD 223] CAIBIDEIL III. Anns an Eilean Sgitheanach. AIR Di-sathuirne, an seathamh-là-fichead de ’n Og-mhios, chuir am Prionnsa air éideadh mnatha air son na ceud uaire, agus ’s ann glé neònach a dh’ fhairich e e-féin ’na shuidhe air sgeirean fliuch sleamhain, ’s e feuchainn ri e-féin a bhlàthachadh ris an teine a bheothaich iad. Bha e mu ochd uairean feasgair ’n uair sheol iad, agus dh’ eirich an stoirm mu ’n robh iad fada bho thìr. Bha na bha leis a’ Phrionnsa fo mhulad ’s fo iomagain, ach dh’ fheuch esan ri ’m misneach a thogail le tòiseachd air gabhail òrain, ’s le sgeulachdan ait aithris. Cian na dheigh so b’ abhaist do Fhionnaghail Dhòmhnullaich a bhi ’g ìnnseadh le pròis cho uasal gaisgeanta ’s a bha e m’ a comhartach air an turus chunnartach sin. A’ dol mu ’n cuairt ceann tuath an Eilein Sgitheanaich thaghail iad ’s a Chamus mhor, an Cille- Mhoire Thròtairnis, glé fhagus do thigh an Ridire Alasdair Dòmhnullach. Bha e bho ’n tigh, a dh’ innseadh na fìrinn bha e le Diùc Chumberland ann an Cille-Chuimein, ach bha a’ Bhan-ridire aig baile agus nochd ise mor chaoimhneas do ’n Phrionnsa. Cha bhiodh e glic dhi am Prionnsa iarraidh a dh’ ionnsaidh an tighe, ach thug i leatha Fionnaghal Dhòmhnullach agus a seirbheiseach [TD 224] Niall Mac Eachainn a suas thun an tighe—bha an gàradh a’ ruith le leathad a dh’ ionnsaidh a’ chladaich far an tàinig iad air tìr—a’ fagail Betty Burke ’na suidhe air ciste air caraig. Bha aobhar aig Fionnaghail a bhi taingeil gu ’n d’ fhàg i am Prionnsa aig a’ chladach, ’n uair a chunnaic i gu ’n robh an tigh làn aoidhean. ’N am measg bha bean Mhic Dhòmhnuill Chircebost, ach bha ise làn eòlach air mar a bha cùisean a’ seasamh. Bha Dòmhnullach Chìnnsaborg an sin cuideachd, ach bha e esan cho cùirteil uasal, gun ghuth air e bhi ’na charaid do ’n Phrionnsa, nach robh eagal air bith orra gu ’m brathadh e iad ged a thuigeadh e co bha leotha ’s a bhàta. Ach bha ann cuideachd oifeagach ’s an arm dhearg d’ am b’ ainm Dòmhnull Mac Leòid, a chaidh a chur le prasgan sluaigh do Thròtairnis a chumail faire, an earalas gu ’n tigeadh am Prionnsa air tìr anns an ionad sin, agus b’ àbhaist dha gach bàta a thigeadh as an Eilean-fhada a rannsachadh. Rinn e dearmad air a dhleasnas air an latha ud, oir labhair Fionnaghal cho faiceallach, phongail ris nach do bhreathnaich e fògarach air bith a bhi ’na fochair. Cha robh Fionnaghal idir aig a socair; bha aice ri conaltradh a chumail ris an oifigeach òg, ’n uair a bha a cridhe plosgail mu Bhetty Burke a bha ’na suidhe air a’ charaig an oir a’ chladaich. Bha an ùine dol seachad ’s cha robh dad g’ a dheanamh. Mu dheireadh bha an dinnear deas agus ré na dinnearach chaidh aice air innseadh do Fhear [TD 225] Chìnnseaborg mar a bha cuisean ’gan cluich, gu ’n robh am Prionnsa air tighinn leatha is an Eilean-fhada, agus gu ’n robh e air an tràigh aig an àm sin. Chum Fionnaghal cnacaireachd ris an oifigeach òg, ’n uair a dh’ fhag Fear Chìnnseaborg an seòmar, a’ toirt mar leisgeul gu ’n robh aige ri labhairt ris a’ Bhan-ridire mu chùisean na h-oighreachd. Bha an leisgeul math gu leòir, oir b’ esan a bu sheòmarlan air an oighreachd. ’N uair a bha iad leotha féin dh’ innis e dhith gach cùis, ’s cha mhor nach deach i bharr a beachd, leis an eagal a fhuair i. Mu dheireadh fhuair e a ciùineachadh, ag ràdh rithe gu ’n tugadh esan leis am Prionnsa d’ a thigh fhéin; oir, ars esan, “Tha mi nis ’nam sheann duine is cha dean a bheag de mhùthadh co dhiu a théid mi gu bàs le teadhair mu m’ amhaich no dh’ fheitheas mi gus an tig am bàs nach urrainn a nis a bhi fada bhuam. Anns a’ chùil-chumhainn anns an robh iad aig a’ cheart am ud, dh’ aontaich iad le chéile fios a chur air Dòmhnull Ruadh. Bu bhrathair Dòmhnull do Mhac Dhòmhnuill a’ Bhaile-shear a thaghail air a’ Phrionnsa ann an Gleann Coradail. Bha Dòmhnull Ruadh aig Cuil-fhodair leis a’ Phrionnsa agus bha e nis a’ fuireach le lighiche aig Mogstad a’ banaltrachd a choise a chaidh a leòn air an fhaiche sin. ’S e duine inntinneach sùrdail a bh’ ann an Dòmhnull; bu toigh leis na h-uile e, agus bha e fhein agus na h-oifigich a bha an toir air Teàrlach mar na h-oghachan. [TD 226] Mar so cha robh duine ’s an eilean a bu fhreagarraiche air son an dleasnas a bha roimhe na Dòmhnull Ruadh. Bha e cùiseil tuigseach, agus gaisgeil; bha fhios aig a h-uile duine gu ’m bu charaid do Theàrlach e, ’s cha robh a bheag aige ri chall ged a rachadh a ghlacadh, agus bha e cho modhail, chùirteil ’na dhòigh ’s na ghluasad gu ’m biodh am Prionnsa làn thoilichte ’n a chuideachd. ’N uair a ràinig Dòmhnull bha Fear Chìnnseaborg is a’ Bhana-ridire anns a’ ghàradh—ise a reir coltais ann an iomagain chruaidh. “O, Dhòmhnuill,” labhair i, “tha sinn an geall na’s fhiach sinn.” An déigh beagan seanachais shocraich iad gu ’m b’ e Rasaidh an t-àite bu shàbhailte do ’n Phrionnsa chum e fein fholach. Bha seann Fhear Rasaidh aig Cuil-fhodair, agus bho ’n latha sin bha e ’na fhògrach. Bha a dharna mac a’ faotainn thairis air leòn a fhuair e air an latha ainmeil sin, agus bha an t-oighre ged a bha e ’g a chumail féin glé shàmhach, cho seasmhach ris an fhear a b’ fhearr aca ann an aobhar a’ Phrionnsa. Cha bu ruith ach leum leotha dol a chuideachadh a’ Phrionnsa agus leis gu ’n deachaidh Rasaidh a spùinneadh goirid roimhe sin leis an arm dhearg cha robh sùil aca gu ’n tilleadh iad an taobh sin an cabhaig. Ghabh Dòmhnull Ruadh ás laimh oighr’ òg Rasaidh fhaicinn agus cùisean a chuir an òrdugh, agus gu ’n tachradh e air a’ Phrionnsa an ath latha ann am Port-Righ, agus gheall Fear Chìnnseaborg gu ’n tugadh esan am Prionnsa leis d’ a thigh fein, [TD 227] agus gu ’m faiceadh e sàbhailte aig Port-Righ e an ath fheasgar. Mar so ciod air bith a thachradh bha a’ Bhana-ridire Mairearad saor o chunnart. Sgaoil an cuileagan a bh’ anns a’ ghàradh agus dhealaich an triùir. Chaidh a Bhana-ridire Mairearad air a h-ais d’ a tigh fein, agus bha i cho bruaileineach ’s nach b’ urrainn dhi suidhe ach a mach ’s a stigh, ni a chuir Fionnaghal fo mhór chùram. Coma co dhiu, bha an t-oifigeach òg cho déigheil air conaltradh Fhionnaghail ’s nach tug e an aire do dh’ onagaid na Bana-ridire. A dh’ aindeoin na coise crùbaich thog Dòmhnull Ruadh air gu Port-Righ an tòir air oighr’ òg Rasaidh, agus chaidh Fear Chìnnseaborg le cabhaig an tòir air a’ Phrionnsa, a toirt leis lòn air a shon, ’s cha robh an droch fheum aig air. ’N uair nach d’ amais e air anns a’ chladach aig iochdar a’ ghàraidh, ghabh e air aghaidh gus am fac e caoirich a’ ruith mar gu’ m biodh iad air maoim a ghabhail o chuid-eiginn. ’N uair a ràinig e iad chunnaic e boirionnach mor fad-chasach ann an cleòca fada cùbhrainn ’s cuaille daraich ’na laimh. Air do Fhear Chìnnseaborg innseadh co e, thuig am Prionnsa gu’n d’ amais e air caraid, chuir e làn earbs’ ann agus dh’ fhalbh e leis. Bu mhath a dh’ fhaodadh e earbsa chur ann! An déigh do ’n Phrionnsa lòn a ghabhail thog iad orra air chois do Chìnnseaborg, a bha astar math uapa. Gu mi-shealbhach b’ e ’n Dòmhnach a bh’ ann agus thachair moran de mhuinntir an eilein orra air an rathad as an eaglais, a bha glé [TD 228] dhéigheil air facal conaltradh a bhi aca ri fear-gnothaich an Ridire Alasdair. Fhuair e cuidhte ’s iad le chur ’nan cuimhne gu ’m b’ e n Dòmhnach a bh’ ann ’s nach bu choir dhaibh a bhi ri cainnt shaoghalta; oir bha eagal a chridhe air gu ’n tugadh iad an aire do na sìnteagan fada neo-bhanail a bha ’m Prionnsa a’ gearradh. Air dhaibh a bhi dol troimh allt a bh’ air an rathad thog Teàrlach a chòta suas gu meadhon a shléisdean, chronaich Fear Chìnnseaborg e air son a neo-bhanalais, agus ’n uair a thaing iad gus an ath allt leig Teàrlach le iomal a ghùin tuiteam anns an uisge, ni a bha cheart cho neo-bhanail ris an tùrn air son an deachaidh a chronachadh roimhe. ’N uair a bha iad mu leth an rathaid gu Cìnnseaborg, co a mharcaich seachad orra ach Fionnaghal Dhòmhnullach, Bean Fir Chircebost agus a searbhanta. “Seall sibhse,” arsa ’n searbhanta, “na sìnteagan tha an sguainseach a’ gearradh! Tha mi creidsinn gur Ban-eirionnach i, air neò fear ann an aodach mnatha.” Cha do fhreagair Fionnaghal i, ach chuir i spéid ris an each agus ghabh iad seachad le cabhaig. Bha Fionnaghal tacan an tigh Chìnnseaborg mu ’n d’ ràinig am Prionnsa agus Fear-an-tighe mu aon-uair-deug a dh’ oidhche. Bha muinntir an tighe air gabhail mu thamh. Chaidh fios a chur a dh’ ionnsaidh bean-an-tighe gu ’n robh aoidhean air teachd, ach bha leisg oirre éirigh, ach chuir i fios gu Fhionnaghail a leisgeul a ghabhail, agus [TD 229] i fhein a chuideachadh gu ni air bith bu mhiann leithe; ach ’n uair a thàinig Fear Chìnnseaborg e-fhéin gu taobh a leapa ’sa dh’ iarr e oirre éirigh le cabhaig agus tighinn a fhrithealadh d’a aoidh-san, thuig i gu ’n robh rud-eiginn ceàrr. Cha do rinn e cùisean na b’ fheàrr ’n uair a ruith a nigheanag ’na coinneamh ag radh gu ’n robh an t-aon bhoirionnach bu mhotha ’s bu mhi-chuimire a chunnaic duine riamh a’ sràideamachd anns an t-seòmar mhor. ’N uair a ràinig bean-an-tighe dorus an t-seòmair chunnaic i ann an solus fann an teine boirionnach mor neo-bhanail ’s i a’ sràideamachd gu fearail. Thainig an sguainseach so an taobh a bha i agus chuir i fàilte air bean-an-tighe a réir cleachda na linn sin, le a leth-cheann a phògadh. Dh’ fhairich bean-an-tighe leis cho garbh ’s a bha chraicionn gur e duine a phòg i, agus bha i làn chinnteach gu ’m b’ e fògarach bochd a thug Fear-an-tighe dhachaidh mar aoidh. Ghreas i mach as an t-seòmar agus thachair i air fear-an-tighe. Cha d’ fhuair i coire dha air son a leithid de neach a thoirt dhachaidh leis, ach dh’ fheòraich i dheth, “Saoil sibh a bheil fios no forfhais aig an fhear so air a’ Phrionnsa thruagh?” “A ghràidh mo chridhe,” arsa Fear Chìnnseaborg, ’s e glacadh a laimh, “is e so am Prionnsa fhein a tha fa d’ chomhair!” “Am Prionnsa!” arsa ise, “ma ta, théid ar crochadh gun teagamh!” “Cha ’n urrainn dhuinn ach bàs fhaotainn aon [TD 230] uair,” fhreagair Fear Chìnnseaborg gu calma, “am b’ urrainn dhuinn bàs fhaotainn ann an aobhar a b’ fheàrr?” An sin dh’ iarr e oirre biadh a chur mu ’n coinneamh—aran is càise is uighean. Aran is càise is uighean a chur air beulaobh Mac an Righ! Cha mhor nach do leagh i leis an nàire, is dhi-chuimhnich i an cunnart anns an robh i. Cha b’ e mhàin sin ach gu ’m feumadh i suidhe aig a bhòrd leis a’ Phrionnsa; cha mhór nach do chuir so as a beachd i. Mu dheireadh chuir iad buaidh oirre agus ghabh i ’h-aite aig laimh chlìth a’ Phrionnsa, le Fionnaghail aig a laimh dheis mar bu ghnàth. Air do na mnathan-uaisle gabhail mu thàmh shuidh am Prionnsa agus Fear Chìnnseaborg aig an teine. Ghleus Teàrlach a’ chutag thombaca, is lion fear-an-tighe cuach mhor le mac-na-bracha agus shuidh na seòid aige gu bristeadh fàire, gus mu dheireadh am b’ fheudar do Fhear Chìnnseaborg grìosadh air a’ Phrionnsa dol a laidhe. Teàrlach bochd! is fada o nach do chuir e seachad oidhche cho seasgair, greadhnach, no idir cho sunndach. Thàinig a’ mhaduinn, lean uair uair eile, ach cha do mhosgail Teàrlach. Bha leisg air Fear Chìnnseaborg dol g’a dhùsgadh, oir bha fhios aige gu ’m b’ fhada o ’n a fhuair e cadal cho seasgair, agus gu ’m faodadh e bhi, gu ’m biodh oidhche no dhà mu ’m faigheadh e cheann air cluasaig a rithis. Bha Fionnaghal a’ gabhail fadail, ’s bha bean-an- [TD 231] tighe fo iomagain, gus mu dheireadh an d’ aontaich fear-an-tighe Teàrlach a dhùsgadh, ’n uair a bha e mu uair a latha. Bha Port-Righ seachd mile uapa, agus bha aca ri bhi ’n sin roimh ’n anamoch. Bha e air a shocrachadh gu ’m faodadh Teàrlach aodach fein a chur air air an rathad gu Port-Righ, ach air eagal amharus nan seirbheiseach a thogail bha e ris an tigh ’fhàgail mar Bhetty Burke. Bha bean-an-tighe, a nighean, agus Fionnaghal a’ cuideachadh leis aodach a chur air, oir mar a thuirt bean-an-tighe e, “Cha rachadh aige air uiread ’s prìne a chur an greim.” Bha e fein ag gàireachdaich fad na h-ùine bha iad ’g a chur an òrdugh ’n uair a dh’ amhairceadh e air fein anns an sgàthan. Mu ’n d’ fhàg e ’n seòmar leig e le Fionnaghail camag de fhalt a ghearradh, a roinn i air bean-an-tighe. Mar dhearbhadh air gràdh is dìlseachd nam mnathan sin thug iad an lion-aodach bhàrr na leapa anns an do laidh am Prionnsa, is phaisg iad gu cùramach seachad iad, a’ bòideachadh nach rachadh an glanadh ’s nach rachadh an cur gu feum tuille gus an rachadh iadsan a shuaineadh annta ann an cadal buan a’ bhàis. Chaidh Fear Chìnnseaborg leis a’ Phrionnsa astar math air an rathad do Phort-Righ agus chuidich e le Teàrlach éideadh a mhùthadh ann an sgàile coille bhig a tha mu leth an rathaid eadar Cìnnseaborg agus Port-Righ, agus an sin dh’ fhàg e beannachd aig a’ Phrionnsa agus dhealaich iad le deòir ’nan sùilean. A’ fàgail a seirbheiseach, Niall Mac Eachainn, [TD 232] agus giullan buachaille a threòrachadh a’ Phrionnsa air a rathad, mharcaich Fionnaghal rathad eile gu Port-Righ. Cha robh Dòmhnull Ruadh Mac Leòid idir diomhanach o ’n a dhealaich e ris a’ Phrionnsa. Aig Port-Righ thachair e air oighre Rasaidh agus a bhràthair Murachadh Mac Leòid, agus mar a bha sùil aige, bha iad coma ach am Prionnsa a theasraiginn. Bha leotha aig an am mac bràthair athar dhaibh, Calum Mac Leòid, a bu sine na iad, a bha ’n a ceannard ann an arm a’ Phrionnsa. Bha esan cho déigheil riu fein air a’ Phrionnsa a thearnadh, ach chomhairlich esan a chùis fhàgail an làmhan Mhurchaidh ’s ’na làmhan fein a chionn gu ’n robh iad le cheile “cho dubh ’s a ghabhadh iad a bhi.” Cha chluinneadh an t-oighre guth air a so, bhiodh esan air thùs ’s air thoiseach ann an aobhar a’ Phrionnsa ged a chailleadh e oighreachd, ’s a cheann cuideachd na ’m b’ fheudar e. Le dà ghille smiorail dìleas ràinig na seoid so teann air Port-Righ le bàta a dh’fholaich iad ann an geodha, agus dh’ fheith iad air son a’ Phrionnsa, anns an dìl’ uisge. Chaidh a shocrachadh aig Mogstad gu ’n coinnicheadh Dòmhnull Ruadh am Prionnsa, an déigh mheadhon latha Di-luain anns an aon thigh-òsda a bh’ ann am Port-Righ aig an àm so. Cha robh anns an tigh-òsda so ach aon seòmar mór duaichnidh, anns an robh sluagh de gach seòrsa a mach ’s a stigh; anns an t-seòmar so dh’ fheith Dòmhnull Ruadh teachd a’ Phrionnsa. B’ i Fionnaghal [TD 233] Dhòmhnullach a thàinig an toiseach; agus shuidh ise le Dòmhnull Ruadh agus Calum Mac Leòid, taobh na grìosaich ’s an cridheachan a’ plosgail le iomagain. Bha an dorchadas ann ’n uair a shèap balachan buachaille, ’s e bog fliuch, an taobh a bha Dòmhnull ’s a chuir e cagar ’na chluais gu ’n robh duin’-uasal g’ a iarraidh. Bha am Prionnsa truagh ’na sheasadh taobh mach an tighe anns an dorchadas, ’s e fliuch gus an craicionn. ’N uair a thug Dòmhnull a stigh e, ghuidh e air aodach tioram a chur air, agus thug Calum Mac Leòid dha fhéileadh féin. Fhuair iad biadh, agus ghabh am Prionnsa deoch an uisge á seann soire sgealbach seach amharas a thogail le soitheach a b’ fheàrr iarraidh. Cheannaich e luach sè-sgillinn de thombaca cumanda, ’s cha mhór nach do bhrath e e-féin le bhi caoin-shuarach mu ’n mhùthadh, ach sgioblaich Calum leis gach bonn agus chuir e ann an sporan a’ Phrionnsa iad. Dh’ éirich a nis Fionnaghal a dh’ fhalbh oir bha aice ri cumail air a h-aghaidh air a turus ré na h-oidhche. Phòg am Prionnsa i, agus a’ glacadh a làimh ars esan, “Ged tha sinn an drasd a’ dealachadh, tha dochas agam gu ’n tachair sinn r’ a chéile fhathasd ann an luchairt rìoghail Lunnainn.” B’ iad dealachaidhean cruaidh de ’n t-seòrsa so, a chuid a bu doilgheasaiche de chrannchur a’ Phrionnsa aig an am so. Ghabh e gràdh mór air Dòmhnull Ruadh agus ghuidh e air gun fhàgail aig an am, ach dol leis do Rasaidh. B’ fheudar do Dhòmh- [TD 234] null a dhiùltadh leis mar a bha e fulang leis a’ chois chrùbaich. Bha an conaltradh so eatorra ’n uair a bha iad a’ triall, san dorcha, ’s an t-uisge taomadh orra, a dh’ ionnsaidh a’ bhàta a bha ri ’n giùlan gu Rasaidh. B’ e Calum Mac Leòid an treasa fear sa chuideachd, duine cùiseil blàth-chridheach, gun fhiamh gun eagal, agus mu ’n tainig deireadh na seachdain bha am Prionnsa cho gaolach air ’s a bha e air caraid a bh’ aige riamh. Bha an t-eilean fiadhaich fàsail sin Rasaidh ’na àite glé shàbhailte do ’n Phrionnsa e féin fholach ann, agus bha ’n triùir chloinn ’ic Leòid déigheil tograch air a dhion, agus aig a’ cheart am a chumail cho comhfhurtachail ’s a dh’ fhaodadh iad. Ach thàinig am Prionnsa fo bhuaidh spioraid bhuaireasaich a dh’ fhàg glé luaineach e. Dh’ fheumadh e bhi daonnan a’ falbhan g’ a chumail bho iomagain ’s fo mhulad. Theagamh nach robh e ’g a mheas féin glé shàbhailte ann an cuideachd nan Leòdach (ged nach do thachair riamh air triùir a bu dìlse na bha ’n a chuideachd aig an àm so), ach chuir e barrachd ùigh ann an Calum ’n a chuir e ann an dà mhac Fir Rasaidh. Air Dir-daoin cha ’n fhóghnadh leis ach gu ’n rachadh iad do ’n Eilean Sgitheanach, a dh’ aindeoin aslachadh a chompanaich agus ged a dh’ eirich an fhairge ’s a shéid a ghaoth mu ’n robh iad fad’ air an turus cha leigeadh e leò tilleadh. Bha e anamoch a dh’ oidhche mu ’n do ràinig iad Tròtair- [TD 235] nis—oidhche bha glé choltach ri feadhainn a chuir am Prionnsa seachad roimhe so air uchd a’ chuain—fuar, dorcha, fliuch, salach. Chaidh iad a shireadh fasgath ann an seann bhà-thigh a bha air fearann Mhic Neacail Sgora-bhreac. Chaidh oighr’ òg Rasaidh ceum air thoiseach a dh’ fhaicinn nach robh duine ’s a bhà-thigh rompa. “Na ’n robh duin’ ann ciod a dheanamaid,” dh’ fheòraich e de ’n Phrionnsa le neul beag cronachaidh ’n a ghuth, oir bha féinealachd agus dànadas Theàrlaich duilich cur suas leis air uairibh leòsan a bha cur am beatha ’s an cuid an geall air a shon. Anns a’ bhà-thigh bheòthaich iad teine, thiormaich iad an aodach, agus chaidil iad ré bheagan uairean. An ath latha air do oighre Rasaidh gu ’n bhi aig baile, dh’ fheòraich am Prionnsa de ’bhràthair Murachadh an rachadh e leis gu dùthaich Mhic Fhiongain an t-Srath. Bha seann cheann-cinnidh Chloinn Fhionghain le dhaoine ann an arm a’ Phrionnsa, agus bha Teàrlach cinnteach gu ’m biodh e sàbhailte ’nam measg. Cha robh e comasach do Mhurachadh, le chois chrùbaich deich-mìle-fichead a choiseachd, ach chaidh Calum ’na àite gu togarach. Air an ath mhaduinn thog a chàraid orra thar monadh is fraoch. Air eagal amharus a thogail leig am Prionnsa air gu ’m b’esan seirbheiseach Chaluim, ’s e coiseachd aig a shàil, agus a bharrachd air sin chuir e chodach-cinn ’na phòca agus cheangail e bréid dearg m’ a cheann. Shaoileadh duine gur ann a thogadh a leithid so amharus dhaoine. Ghabh [TD 236] iad air an aghaidh a’ bruidhinn r’ a chéile mar gu ’m bu bhràthairean iad. A’ dol troimh ’n fhraoch dh’ eirich gur chearcan fhraoich air iteig, agus mar bu dùth do neach a bha cho toigheach air an t-seilg, thog am Prionnsa a ghunna r’ a shùil agus bha e air losgadh orra, mar a bhi Calum a rug air ghualainn air. Thug iad an aire gu ’n deachaidh iad troimh Dhùthaich Mhic Leòid anns an oidhche, agus mu bhristeadh fàire bha iad anns an t-Srath, Dùthaich Mhic Fhionghain. Bha piuthar do Chalum Mac Leòid pòsda ri fear de Chloinn Mhic Fhionghain a bha ’na oifigeach ann an arm a’ Phrionnsa, agus chaidh iad a dh’ ionnsaidh a thighe-san. Thuit dha bhi bho ’n tigh, ach chuir a bhean fàilte air a brathair agus a charaid, agus nochd i mor chaoimhneas dhaibh. Bha e air a chumail a mach gu ’m b’ e bha le Calum, fear Lewis Caw, gille lighiche, a bha dà rireadh aig an am so ’g a fholach féin anns an eilean, agus bha Teàrlach cho iriosal ’na dhòigh ’s a gabhail air gu’ m b’ e ’m fear eile a mhaighstir, gu ’n robh Calum air a nàrachadh; cha ’n e mhàin sin ach bha a chaile-shearbhanta ag amharc sios air chionn gur ann Gallda bha e. Ghabh an dithis mu thàmh, agus ’n uair dh’ eirich Calum bha Teàrlach a’ banaltrachd balachain bhig bean Mhic Fhionghain. “’Ille bhig,” ars’ esan ’ga dhi-chuimhneachadh fhein, “co aig tha fios nach bi thu fhathast a’d oifigear agamsa.” “Seadh,” arsa ’chaile-shearbhanta gu sgallaiseach, “no thusa ad sheann shaighdear aige-san.” [TD 237] An ath latha chaidh Calum an coinneamh a bhràthair-chéile. Bha làn earbsa aig’ ás, ach bha eagal air gu ’n robh e cho teò-chrìdheach gu ’n leigeadh e mach gur e ’m Prionnsa bh’ ann an Lewis Caw, agus dh’ aindeoin na dh’ aslaich e air cha mhor nach do bhrath Mac Fhionnghain am Prionnsa, leis mar a shil a dheòir ’n uair thainig e ’na làthair, ’s a chunnaic e a chor. Bha e feumail gu ’m biodh am Prionnsa air aiseag gu tir-mór, agus chaidh Iain Mac Fhionghain gu triath na dùthcha, Mac Fhionghain an t-Srath air son coingheall bàta. ’S e fior dhuin’-uasal a bha ’s an t-seann laoch so. B’ e ùrnuigh, moch is anamoch, gu ’m faigheadh e bàs a’ cogadh air son a rìgh ’s a dhùthcha. Bha e gaisgeil dileas, agus ged a bha e teann air deich is trì fichead bliadhna dh’ aois bha e cho smiorail bheothail ri oganach. Chaidh iarraidh air Iain Mac Fhionghain gun ìnnseadh do Fhear an t-Sratha gu ’n robh am Prionnsa ’s a chomhairsneachd, ach bha Iain tuille ’s earbsach a cheann-cinnidh, gu a leithid so do sgeul a chumail bhuaith. Cha deanamh ni feum leis an t-seann laoch ach gu ’n rachadh e féin ’s a bhean a thoirt ùmhlachd do ’n Phrionnsa, ’s cha leigeadh e le duine beò ach e fhein am bàta a stiùireadh a bha ris a’ Phrionnsa aiseag gu tir-mór. Mu ochd uairean a dh’ oidhche chaidh a chuideachd do ’n bhàta. Dh’ fhàg Teàrlach beannachd aig Calum Mac Leòid. Chuir e litir gu Domhnull [TD 238] Ruadh Mac Leòid a dh’ innseadh dha gu’n robh e dol gu tir-mór. An am dealachadh ri Calum chuir e deich buinn òir ’na bhois—cha mhòr nach e sin na bh’ aige—ghabh e toit de ’n phiob leis, agus dh’ fhàg e a chutag aige mar chuimheachan air. CAIBIDEIL IV. Air Tìr-mor. A CHUM gluasad a’ Phrionnsa ré bheagan sheachdainean ’na dheigh so thuigsinn tha e feumail dhuinn eòlas a bhi againn air an duthaich anns an robh e air allaban. Bho Loch Shùirn (a tha fosgladh dìreach mu choinneamh Shleibhte ’s an Eilean Sgitheanach), ’s an taobh tuath, deas gu Loch Seile, tha ceithir no còig de rudhachan garbha a’ ruith a mach do ’n chuan mhor, ris an abrar Cnòideart, a’ Mhòrair, Arasaig agus Mùideart. Eatorra tha lochan caola a’ ruith fada stigh gu tìr mór. Tha Loch Nibheis eadar Cnòideart agus a’ Mhòrair; tha Loch Mòrair (loch fìor-uisg’) a’ gearradh dheth ros na Mòrair bho Arasaig agus tha Arasaig a rithis air a’ ghearradh bho Mhùideart le Loch-nan-uamh agus Loch Eillort, agus tha Loch Seile a’ gearradh an iomlain dhiubh so bho Aird-nam-murchan a tha mu dheas dhiubh. Tha na Garbh-chriochan cho fiadhaich, le ’n glinn dhomhain ’s le beanntan creagach, àrd, gu ’n robh [TD 239] e comasach do neach e fhéin fholach annta car ghreis; ach air a son sin uile cha bhiodh e duilich do an nàmhaid le long-chogaidh a chur anns gach loch a chaidh ainmeachadh agus le grunnan math shaighdearan a sgaoileadh bho cheann Loch Shùirn gu ceann Loch Seile, am Prionnsa a chuartachadh agus iathadh cho teann mu ’n cuairt air ’s nach biodh e comasach dha teicheadh. Mu thoiseach mios deireannach an t-Samhraidh bha iad a’ rùdhrach air a shon anns an Eilean-fhada, agus anns an Eilean Sgitheanach, agus mar so fhuair am Prionnsa an ceann air a nàimhdean. Air a’ chóigeamh latha de ’n mhios so, chaidh am Prionnsa agus an sgioba de Chloinn Mhic Fhionghain a bha leis air tìr aig àite ris an goirear a’ Mhalach-bheag, air taobh deas Loch Nibheis, agus dh’ fhan iad a sin ré thrì làithean. Cha robh iad so cinnteach ciod an ath cheum a bheireadh iad, ach ’n uair chuala am Prionnsa gu ’n robh Mac-’ic-Ailein le fhear-cinnidh, aig Sgòtas, chuir e fios chuige ag iarraidh a chomhairle ’s a chuideachadh, ann an làn dòchas gu ’m biodh an seann laoch cho càirdeil ’sa bha e ’n uair a thachair iad an Uibhist. Ach dh’ fhuiling an seann duine moran o ’n àm sin; bha a mhac ’na fhògarach, a bhràthair am prìosan, agus e fein am folach. ’N uair chunnaic e Fear an t-Srath cha mhor nach do leum an cridhe ás, agus thubhairt e ris gu dranndanach nach rachadh aige air a chòrr a dheanamh ’s nach b’ aithne dha co a dheanadh e. Thill Fear an t-Srath gu [TD 240] tàmailteach, feargach, ach dh’ éisd am Prionnsa gu ciallach, foighidneach agus ars esan, “Feumaidh sinn mar a ’s feàrr a dh’ fhaodas sinn a dheanamh air ar son fein.” B’ e so a’ cheud dhiùltadh a fhuair e; ach latha no dhà ’na dhéigh so thachair a’ cheart leithid air bho laimh Dhòmhnullach na Moirair, caraid a b’ àbhaist a bhi dìleas. Cha robh so ’na iongantas, oir chaidh a thigh a chur ’na smàl, ’s bha e nis le a theaghlach a chomhnaidh ann am bothan bochd; agus, theagamh, gu ’n do mheas e gu ’n d’ fhuiling e gu leòir air tàilleamh a’ Phrionnsa. Leòn an fhreagairt a fhuair Teàrlach gu ruig an cridhe e. “Tha mi ’n dochas,” ars esan, ’s e bruidhinn ri Iain Mac Fhionghain, “nach dean thusa mo threigsinn.” Shaoil Fear an t-Sratha gur ann ris-san a bha e labhairt agus fhreagair e ’s na deòir a’ ruith a shùilean—“Cha ’n fhàg ’s cha’ tréig mise sibh ’n uair tha sibh an cunnart,” agus fhreagair Iain Mac Fhiongain e ann an cainnt a cheart cho deothasach. Bha aon tigh anns a’ choimhearsnachd far an robh am Prionnsa cinnteach á fàilte ’s furan co dhiu a ruigeadh e aig meadhon oidhche, aig gairm coilich, no aig aird thrath-neòin, aona chuid mar Phrionnsa an geall air crùn a bhuidhinn, no mar dhìol-déirce, gun dachaidh, gun dòchas. Bha tigh suilbhir Fear Bhoradail a nis ’na chabair dhubha ach bha fear-an-tighe—“mo charaid caomh,” mar thuirt am Prionnsa ris—agus a dhà mhac, le ’n [TD 241] cridheachan tairis ’s le ’n lamhan laidir, ealamh gu cuideachadh is còmhnadh a thoirt do ’n Phrionnsa. Bho ’n Mhòrair thriall Teàrlach agus Cloinn Mhic Fhionghain, ann an oidhche shamhraidh thar a’ mhonaidh agus ràinig iad Boradail moch ’sa mhaduinn. Cha robh seann Aonghas air éirigh ’n uair a ràinig iad dorus a’ bhothain anns an robh an teaghlach a’ gabhail fasgath. Thàinig e dh’ ionnsaidh an doruis is plaide mu ’n cuairt air. ’N uair a dh’ innis Iain Mac Fhionghain dha co bha ’g iarraidh aoidheachd, dh’ fhosgail cridhe an t-seann duine agus thug e cuireadh fialaidh dhaibh. “Thug mise an so e gu sàbhailte,” arsa Iain Mac Fhionghain, “agus tha mi ’g a chur fo d’ chùram-sa; rinn mise mo dhleasnas; dean thusa a nis e.” “Tha mi riaraichte gu ’n do rinn,” fhreagair Aonghas, “agus bheir mise an aire mhath dha. Ni mi fholach cho cùramach nach ’eil feachd am Breatunn a dh’amaiseas air.” Air do Iain Mac Fhionghain na b’ urrainn e dheanamh air son a’ Phrionnsa, dhealaich iad gu muladach trom-chridheach, mar a bha gach sgaradh cianail a bh’ aig Teàrlach agus a chàirdean dìleas, Gaidhealach. Ghlacadh Iain Mac Fhionghain ’n uair a ràinig e an t-Eilean Sgitheanach leis a’ Chaiptein Scott chruaidh-chridheach, agus cóig làithean ’n a dhéigh so chaidh Iain a ghiùlan air bòrd air luing-chogaidh Shasunnaich gu Loch-nan-uamh. Ceart dìreach mu choinneamh an àite anns an [TD 242] robh an long-chogaidh so aig acair bha sgoltadh anns na creagan air tìr, agus leth an rathaid o ’n mhullach bha coltas leanaig ghlais. Dé bha so ach bothan beag air a’ chùirneachadh le sgrathan glas air a leithid de dhòigh nach biodh amharus aig duine beò gu ’n robh dad ann ach bruthach uaine. Chuir am Prionnsa seachad an oidhche roimhe so anns an àite so, ach ’n uair a thainig an long-chogaidh a stigh do Loch-nan-uamh thug e am monadh air. Co bha leis ach seann Fhear Bhoradail agus a mhac Iain (an gill’ òg a shaoil leò a chaidh a chall aig Cuil-fhodair), agus Dòmhnullach Ghlinn-alladail—Fear a’ Ghlinne mar a theirteadh ris—a bha daonnan ’na chàraid do ’n Phrionnsa. Rinn e suas inntinn gu ’m fanadh e leis a’ Phrionnsa ciod air bith a dh’ eireadh dha, ged a b’ fheudar dha a bhean agus còignear chloinne luraich fhàgail ann am bothan dubh, an aon dachaidh a dh’ fhàg na saighdearan Sasunnach aca. ’S e cheud ni a shocraich na daoine gaisgeil teòma so am Prionnsa a ghiùlan gu dùthaich Loch-ial far an do gheall oighre Mhic-’ic-Ailein àite folaich ullamhachadh air son a’ Phrionnsa. Thog iad orra agus air an rathad chual iad gu ’n robh grunnan shaighdearan a’ tighinn orra bho thaobh Loch-arcaig, agus dhùin so an rathad orra air an taobh sin. A’ cheart oidhche sinn chual Fear Bhorodail gu ’n robh an Seanalair Caimbeul le luingeis-chogaidh ann an Loch Nibheis, bha an Caiptein Scott fhathast ann an Loch-nan-uamh, agus bha buidheannan [TD 243] shaighdear bho na luingeis-chogaidh a’ rùdhrach gach cùil is cuilidh anns a’ choimhearsnachd. Aig a’ cheart àm chaidh saighdearan a chur air tìr aig ceann Loch Shùirn, agus feadhainn eile aig a’ cheart àm aig ceann Loch Seile. Bithidh an t-asdar eadar an dà loch sin, mar a theid eun air iteig, eadar cóig-air-fhichead is deich-mile-fichead, ach leis cho corrach àrd ’sa tha an dùthaich, feumar gu bheil an t-asdar mòran na ’s fhaide na so. A dh’ aindeoin gach duilgheadas chaidh aig an arm dhearg air an asdar so a chuirneachadh le sreang shaighdearan. Bha shaighdear an sud ’s an so an sealladh a chéile, nach leigeadh neach seachad gun fhios a bhi aca có e, ’s ciod a ghnothach. Anns an oidhche bha teineachan mora air an lasadh, agus bha grunnan beag shaighdearan a’ triall eadar gach teine a h-uile ceathramh na h-uarach a dh’ fhaicinn gu ’n robh gach fear-faire ’na fhaireachadh. Bha Teàrlach ’s na bha leis da-rireadh ann an cùil-chumhainn. Ré iomadh làtha bha iad air an ruagadh mar fhiadh-bheathaichean na machrach. Bha iad gu tric ann an sealladh campa an nàimhdean, agus cha b’ e aon uair a b’ fheudar dhaibh darna taobh a’ mhonaidh a thearnadh le cabhaig a chionn gu ’n robh na saighdearan dearga a’ direadh an taobh eile. Bha aca ri ’n àite folaich atharrachadh gach oidhche, air uairibh a’ triall nam miltean a dh’ ionnsaidh beinn no sliabh a bha fhios aca a chaidh a rannsachadh an làtha roimhe sin, agus mar sin nach robh coltach ri bhi air a rannsachadh [TD 244] gu ceann làtha no dhà a rithis. Ré an latha bha am Prionnsa a’ faotainn norra cadail ann an còs a’ chnuic ’n uair a bha chompanaich ri faire. Bha iad a’ faotainn forfhais mu ghluasad an nàimhdean, an dràsd ’s a rithis bho chàirdean dìleas a bha tighinn g’ am faicinn fo sgàile na h-oidhche, ach bha so ’na aobhar cunnairt dhaibh le chéile. ’S e chuid a bu mhiosa gu ’n robh iad air an tolladh leis an acras. A’ chuid sin de storas na dùthcha nach do dh’ ith na saighdearan chuir iad a dholaidh, agus a dh’ aindeoin cho togarrach ’s a bha cuid de ’n tuath bheag cuideachadh a thoirt dhaibh, cha robh biadh ri fhaotainn thall no bhos. Ré cheithir làithean cha deachaidh gearradh ’nam beul ach làn an dùirn no dhà de mhin thioram agus beagan ime. Làtha bha sin chaidh saighdearan seachad air a’ gharaidh anns an robh iad ’s iad ag iomain spréidh. Bha leithid de dh’ acras air Teàrlach gu ’n robh e an geall air an leanailt agus creach a thogail ’n uair thigeadh an oidhche. Dh’ fheuch a’ chompanaich ri impidh a chur air gu ’n sin a dheanamh, ach chaidh Teàrlach e-fhéin air an ceann agus thog iad a chreach. B’ e Dòmhnull Camaron Ghlinne Peighinn a b’ fhear-iuil dhaibh aig an àm so agus mur a bhi a ghaisge, a theòmachd, agus a bharrachd air sin, gu ’n robh e mion-eòlach air an dùthaich, chaidh an glacadh. Bha na nàimhdean a bha cuartachadh Theàrlaich a’ tarruing na bu tinne ’s na bu tinne air, agus bha e fhéin ’s na bha leis a los dol bàs leis an acras. [TD 245] Am bu chòir dhaibh fuireach far an robh iad agus dol bàs, no oidheirp dhàna ghaisgeil a thoirt a dh’ fhaotainn mar sgaoil, no dol gu bàs mar ghaisgich an geall air am beatha. Do dhaoine dàna gaisgeil cha robh ach an aona fhreagairt do ’n cheisd so. Air a’ chóige-là-fichead de mhìos deireannach an t-Samhraidh rinn iad suas an inntinn gu ’m briseadh iad troimh ’n chearcall bheò a bha ’g an cuartachadh. Ré an latha bha am Prionnsa am folach anns a’ mhonadh faisg air Cnòideart agus gle theann air na saighdearan dearga. Chaidil e uair no dhà feadh ’s a bha dithis d’ a chàirdean a’ faire, agus dithis eile air falbh an tòir air lòn. Thug iad air ais da mhulachag chàise. (Aig an am bha Fear Bhorodail air dol dhachaidh, agus cha robh leis a’ Phrionnsa ach Iain, Mac Fir Bhorodail, Fear Ghlinn Alladail agus a bhrathair, agus Camaronach Ghlinne Peighinn.) Fad an latha bha prasgain shaighdearan a’ rùdhrach ’s a’ rannsachadh air son a’ Phrionnsa, agus bha iad a nis air na teineachan a lasadh ’s bha na freiceadain a’ triall gu cothromach eatorra. Mu bheul na h-oidhche shèap am prasgan beag as an àite folaich, gu sàmhach faicilleach, agus dhìr iad Druim-a’-chòis. Bha a’ bheinn fuathasach cas, ’s an oidhche gle dhorcha. A’ dol troimh alltan, shleamhnaich cas a’ Phrionnsa, thuislich e agus bhitheadh e air tuiteam thar sgòrr na creige mur a bhi gu’n do rug an Camaronach air ghàirdean air agus le cuideachadh Fear a’ Ghlinne thog iad beò slàn á amar an uillt e gu [TD 246] talamh tioram. Bho mhullach na beinne so bha sealladh aca air teineachan nan saighdearan dearga agus bha iad cho teann orra ’s gu ’n robh iad ’gan cluinntinn a’ bruidhinn. Bho sgàile an tiugh dhorachdais dhìr iad monadh eile agus bha iad a nis mu choinneamh teine eile. Leth an rathaid eadar an dà theine bha eas an déigh amar domhain a ghearradh ann an aodann a’ mhonaidh a bha direach m ’an coinneamh. Na ’n d’ fhuair iad seachad air an teine agus an t-amar so a ruigheachd sàbhailte bha an còrr farasda, oir bhiodh iad fo sgàile nam bruach, agus ann an clais an uillt, agus le cùrsa an eas a leanailt ruigeadh iad fearann molach creagach far an rachadh aca air iad féin fholach. Thairg Dòmhnull Camaron a bha daonnan gaisgeil deuchainn a chur air a chùis an toiseach. Na ’n ruigeadh esan amar an uillt agus tilleadh air ais a dh’ innseadh dhaibh gu ’n robh an rathad réidh bheireadh iad uile oidheirp air a leanailt. Cha robh aca ach mu cheathramh na h-uarach gu crìoch a chur air an turus chunnartach so, oir b’ e sin an ùine a bha na freiceadain a’ gabhail a triall bho theine gu teine. Dh’ fheith iad gu sàmhach gus am fac iad am freiceadan a’ tionndadh a chùlaobh ris an teine a b’ fhaisge orra agus an sin thug an Camaronach a chasan as cho sàmhach ri cat agus ann an tiota chaill iad sealladh air anns an dorchadas. Dh’ fheith an còrr is eagal orra an anail a tharruing a’ biorachadh an cluasan air son na fuaim a bu lugha; cha chualas cas-cheum ’s cha [TD 247] chualas fuaim aig clach a tuiteam, ach ann an ùine ghoirid thill an Camaronach agus dh’ innis e dhaibh ann an cagar gu ’n robh an rathad réidh. Bha e nis mu dhà uair ’sa mhaduinn ’s a tarruing teann air briseadh fàire. Dh’ fheith iad gus an robh cùla nam freiceadan riù agus an sin ghluais iad gun ghuth as an cinn. ’N uair ràinig iad amar an uillt chaidh iad uile air am màgan agus fear an déigh fir; streap iad suas amar an eas gus an do ràinig iad am mullach. Tharruing iad an anail agus a’ meas gu ’n robh iad aon uair eile saor o’n naimhdean dh’ amais iad air còs anns an do gabh iad tacan cadail oir bha iad fada ’na fheum. Aon uair ’s gu ’n d’ fhuaìr iad seachad air an naimhdean thionndaidh iad an aghaidh mu thuath gu dùthaich Ghlinn-eilge. B’ e an rùn dol troimh dhùthaich Chloinn Choinnich gu ruig Poll-iù, far an robh sùil aca ri long Fhrangach fhaotainn. An ath latha chual iad o fhear turais gu ’n robh an aon long Fhrangach a bha sin an déigh còrsa Pholl-iù fhàgail. ’N uair thuig iad mar a bha cùisean, bha beachd aca dol an ear troimh Shiorramachd Ionbhar-neis agus feitheamh feadh nan garbhlach gus am biodh e comasach do ’n Phrionnsa còmhlachadh ri Lochial ann am Bàideanach. Ann an Gleann-Seile dhealaich iad ri Camaronach Ghlinn-Pheighinn, agus ann an so thachair tuiteamas dhaibh a dh’ fhaodadh an amaladh gu dona. Chuir iad seachad latha fada Foghair am folach am [TD 248] measg nan creag, bha iad gu bhi air an itheadh beò leis na meanbh-chuileagan, agus bha iad air an sàrachadh leis a’ phathadh, ach cha robh chridh aca an t-àite-folaich fhagail a dhol an tòir air uisge. Mu bheul an fheasgair ràinig balach iad le cuman làn de bhainne ghobhar; bu mhac e do charaid dileas do ’n Phrionnsa a bha ’sa choimhearsnachd, do ’m b’ ainm Mac-rath. B’ e Fear a’ Ghlinne a bha aig an am so a’ giùlan sporan na cuideachd—anns an robh theagamh mu dhà fhichead bonn òir agus beagan thasdan. Phàigh e am balach air son a’ bhainne, agus anns a’ chabhaig cha tug e ’n aire gu ’n do leig e tuiteam d’ a sporan. Cha do thriall iad thar mile dh’ astar ’n uair a dh’ ionndrainn Fear a’ Ghlinne a sporan, agus dh’ fheumadh e tilleadh air ais air a shon. Chaidh e-fhein ’s mac a bhràthar air an ais, ach cha d’ fhuair iad ach an gad air an robh an t-iasg; fhuair iad an sporan ach bha ’n t-òr air chall ’s gun ach beagan thasdan air fhàgail. Bha e mu mheadhon oidhche ’n uair a ràinig a’ chàraid fheargach so tigh Mhic-rath, agus bha an teaghlach uile air gabhail mu thàmh. Chuir iad fear-an-tighe air a chois agus dh’ innis iad dha ciod a thachair. Cha robh ag aige co rinn e, ’s cha d’ fheuch e ri leith sgeuil a ghabhail, ach thug e leis ball-cainbe agus le crathadh a theab an t-anam a chur ás, dhùisg e am balach, agus ars esan “A mhic an fhir ud, thoir air ais an t-airgead sin do na daoin’-uaisle so, air neò ni mi do chrochadh ris a’ chraoibh-uinnsinn [TD 249] tha mach ann a sin.” Dh’ fhalbh am balach ’s eagal a bheatha air, is chladhaich e an talamh far an do chuir e falach an ulaidh agus shìn e dhaibh i. An deigh a h-uile rud a bh’ ann bu mhath mar thachair, oir feadh ’s a bha ’m Prionnsa is bràthair Fir a’ Ghlinne’ a feitheamh chàich ann an fasgath creige móire chunnaic iad oifigeach agus dà shaighdear a’ tighinn a cheart rathad a bha iadsan brath a ghabhail. Mur a bhi am màirneal a chaidh a chur orra a’ dol an tòir an sporain, bha iad gu cinnteach air tuiteam ann an lamhan an naimhdean. Thug iad a nis an aghaidh ris an taobh an ear, agus an deigh triall fad na h-oidhche fhada bha iad ’s a mhaduinn ann an Gleann Moireastan. Anns a’ cheàrn so de ’n dùthaich thachair Tearlach air càirdean ùra; cha b’ ionann dà-rireadh iad ’s an duine cùirteil sin Fear Chinnseaborg no idir a’ Bhan-ridire uasal Mairearad, ach bha iad a cheart cho dìleas teò-chridheach: b’ iad na càirdean ùra “Seachdnar Cheathairneach Ghlinne Moireastain,” a bha ainmeil ’nan latha. Bha iad ann an arm a’ Phrionnsa, agus bha iad a nis a chòmhnuidh measg nam fuar-bheann, ’s a toirt dùlain do gach neach is ni a bhuineadh do bheatha òrdail laghail. Bha cuid ag radh nach robh annta ach na dearg mhearlaich ach cha robh sin fior. ’S e bh’ annta bannal a bhóidich gamhlas siorraidh an aghaidh Diùc Chumberland agus nan saighdearan dearga, agus a bha ’n geall air tòrachd a thoirt a mach. [TD 250] Agus gu dearbh bha an lethsgeul ri ghabhail an deigh na chunnaic iad de aingidheachd is neò-thruachantas air latha Chuil-fhodair is ’na dhéigh, Chaidh mu thrì fichead de ’n luchd-cinnidh a gheill fhuadach air falbh do thìr chéin; chaidh iad féin ’s an coimhearsnaich a spùinneadh gu buileach agus chaidh moran de ’n càirdean is luchd-eòlais a chur gu bàs gu h-an-iochdmhor. Ceart mar bheir seobhag ionnsaidh air eun b’ àbhaist do na Ceatharnaich so a bhi ’m bad gach brathadair is gach fear-sàrachaidh a thigeadh an rathad. Ann an lamhan a’ phrasgain so chuir Tearlach e féin ged a bha deich mile fichead punnd Sasunnach air a cheann. Bha ceathrar de ’n t-seachdnar so ann an uaimh Choire-ghoth ann an Bruthaichean Ghlinne-Moireastain ’n uair a thug Fear Ghlinn-alladail am Prionnsa g’ am faicinn. Bha suil aca ri Oighre Chloinn Raonaill fhaicinn; ach an uair a thàinig am Prionnsa ’n am fochair dh’ aithnich fear dhiubh e, ach bha de thoinisg aige na chum dha fhéin sin, agus chuir e fàilte air Tearlach mar sheana chompanach d’ am b’ ainm “Mac Cuileanaidh.” ’N uair a thuig a cheathrar co bh’ aca chaidh iad fo bhòidean air an cuid bhiodag “an culaobh bhi ri Dia ’s an aghaidh bhi ris an donas, ’s gach mallachd a tha ’s a Bhiobull a thighinn orra fein is air an sliochd mur biodh iad dileas gu bàs do ’n Phrionnsa anns gach càs is cunnart.” [TD 251] Ré thrì seachdainean bha Tearlach a’ laidhe ’s ag eirigh leis na ruagalaichean so, feadh chòsan nan creag is feadh gharaidhean mar fhiadh-bheathaichean, a’ tighinn beo air sithionn, is air im is caise a bha iad a’ faotainn o ’n tuath bheag. Cha robh na seòid so a’ tuigsinn Beurla a’ Phrionnsa ach bha esan a’ togail na Gàidhlig gu treun. Bha e ’na chomas an dòigh chòcaireachd a leasachadh, agus b’àbhaist dha a bhi ’g an cronachadh air son cho teòma ’s a bha iad air na mionnan—dà ni a b’ àbhaist do na seòid aithris an deigh do ’n Phrionnsa am fàgail. Ann a so, mar ann an àitean eile ré allaban, bhuidhinn Teàrlach cridheachan na bha còmhla ris, le a dhòighean aotrom, uasal, agus cho cruadalach ’sa bha e daonnan. Mu thoiseach an Fhoghair mhiannaich am Prionnsa dol rathad Pholl-iù, ach air dha thuigsinn nach robh e comasach do luing Fhrangaich tighinn a chòir a chòrsa sin a thaobh ’s mar ci bha luingeis Shasunnach ’g a dhion, rinn e fhein ’s a chàirdean a suas an inntinn fuireach ann an taobh tuath Siorramachd Ionbhar-neis gus an tarruingeadh an t-arm dearg air ais a Gleann mór na h-Alba, agus an rathad fhàgail fosgailte gu Bàideanach far an robh Loch-ial agus Cluainidh am folach. Thachair tuiteamas mu ’n taca so a rinn cuideachadh mor do ’n Phrionnsa aig an am. Thuit gu ’n robh am measg na buidhne ris an abrar na Life Guards òganach flathail d’ am b’ ainm Ruaraidh [TD 252] Mac Coinnich mac de dh’òr-cheard ann an Dùn-éideann, aig an robh suaip mhor ’na chruth ’s ’na choltas ris a’ Phrionnsa. Bha an gille so ’ga fholach féin mu Bhruthaichean Ghlinne-Moireastain ’n uair a bha am Prionnsa ann an Cnòideart, air a chuartachadh gu teann le ’nàimhdean. Lean grunnan shaighdearan gu ’bhothan e a rinn iad a chuartachadh; chunnaic e nach robh dol as aige, agus ’n uair a thuit e leòinte le ’n sleaghan ghlaodh e, “A shlaighteirean, mhort sibh ar Rìgh.” Co dhiubh is e brosgul faoin a bha ’s na facail so, no gu ’n robh toil aige thoirt orra chreidsinn gu ’n do ghlac iad am Prionnsa, ’s gu ’n tugadh so cothrom teichidh do Theàrlach, cha bhi fhios aig duine am feasda. Chreid na saighdearan na facail a labhair Mac Coinnich, oir ghiùlan iad leotha a cheann gu Cille-Chuimein, agus tha e coltach gu ’n do chreid iad an sgeul an sin, oir lagaich iad ré tamull an oidheirpean air a’ Phrionnsa a ghlacadh, agus mu mheadhon an Fhoghair lagaich an Luchd-riaghlaidh am faire ann an Gleann mor na h-Alba. Bha Teàrlach an geall air dol dìreach do Bhaideanach ach cha rachadh na Ceatharnaich leis ach gu dùthaich Loch-ial a bha laidhe eadar Loch-Arcaig, Loch Lochaidh, agus Loch-Garraidh. Thriall iad am bitheantas ré na h-oidhche; bha an aimsir fliuch agus na h-aibhnichean air at cho mor ’s gu ’m b’ eudar dhaibh dol thairis air Abhain Gharraidh anns an t-seann dòigh Ghàidhealaich—an guaillibh a chéile, oir bha an t-uisge gu ruig na h-achlaisean. [TD 253] Mu ’n am so bha suidheachadh a’ Phrionnsa cho doilgheasach ’s a bha e aig am air bith ré allaban. Bha na badan aodaich a bh’ air ’n an criathar tholl. Is fhada o ’n a chaith e na sè léintean caola a fhuair e o bhain-tighearna Mhic-’ic-AiIein; agus is ann air éiginn a bha e faotainn leine ghlain uair ’s a cheithir-là-deug. Cha robh aca de lòn leotha aig an àm so ach mu pheic mhine. Anns an t-suidheachadh bhronach so ràinig am Prionnsa bruthaichean Loch-Arcaig. A’ bhliadhna roimhe sin chaidh e troimh ’n dùthaich sin le cridhe aotrom air cheann buidheannan gaisgeil de Chloinn Dòmhnuill ’s de Chamronaich. Bha e nis na fhògarach bochd, gun bhiadh, gun aodach, agus prìs air a cheann; b’ e an aon ni ’bha gun chaochladh: dìlseachd nan Gàidheal theò-chridheach. Ged a bha Camaronach nan Cluaintean agus Dòmhnullach Locha-garraidh iad féin ’n am fogaraich chuir iad fàilte air Teàrlach agus fhuair iad àite folach dha ann am bothan beag anns a’ choille air taobh deas Loch-Arcaig. Dh’ fhàg na ruagalaichean an so e ach a mhàin Pàdruig Grannda, a dh’ fhuirich leis gus am faigheadh e beagan airgeid a phàigheadh iad, oir cha bu mhath leis a’ Phrionnsa a bhi fo fhiachan do neach air bith. Thill Iain Dòmhnullach agus bràthair Fir a’ Ghlinne a dh’ ionnsaidh còrsa na mara, ach am faigheadh iad fios no forfhais air luing Fhrangach, a’ gealltainn fios a leigeil chun a’ Phrionnsa. Dh’ fhuirich Fear a’ Ghlinne leis a’ Phrionnsa, ach bha esan an [TD 254] geall air Baideanach a ruigheachd far an robh Loch-ial am folach a bha glé thearainte. Am measg nan iomad gaisgeach a chuir an cuid ’s am beatha an geall air son a’ Phrionnsa cha robh ’n am measg cho flathail uasal ri Loch-ial. Ré bhliadhnachan mu ’n tainig Teàrlach a nall b’ esan a b’ fhear-stiùiridh air aobhar nan Stiùbhartach. Cha robh anns a’ Ghàidhealtachd a bu chùiseala na e, no fear idir a rachadh ’fhacal cho fada; oir bha e fo mheas mor aig àrd is ìosal. Bha e glic, calma, agus uasal, ach aig a’ cheart àm bha e glé iriosal ’na dhòigh ’s ’na ghluasad am measg an t-sluaigh, agus daonnan dìleas, gaisgeil, agus gun ghò. Bho thoiseach mheas e oidheirp a’ Phrionnsa air crùn athraichean a ghlacadh, faoin. Ach ’n uair a dh’ fhairtlich air impidh a chur air a’ Phrionnsa air cho faoin ’s a bha ’n oidheirp, chaidh e aig ceann chùisean mar gu ’m b’ e fein a dh’ òrdaich iad. Cha chualas riamh facal gearain no cronachaidh á cheann air son mar a thachair. Bha Loch-ial agus a charaid Cluainidh Mac-a-Phearsain aig an àm so am folach am measg chòsan Bheinn-aldair. Bha an rathad mor do Ionbhar-neis a’ ruith seachad glé theann orra, agus cha robh campa an Tighearna Loudon ach beagan mhiltean uapa, ach bha na fineachan cho dìleas, agus chum iad cùisean cho uaigneach nach robh brath air bith aig ceannard an airm dheirg gu ’n robh an dà fhogarach ainmeil so anns an dlùth choimhearsnachd ré thrì mìosan. Chaidh Loch-ial a leònadh [TD 255] aig Cuil-fhodair agus bha e cho crùbach ’s nach robh e ’n a chomas dol an tòir air a’ Phrionnsa. Bha dà bhràthair aige—fear dhiubh ’n a lighiche agus fear eile ’n a mhinisteir. Bha iad le chéile fòghlumte agus gaisgeil agus bha iad air an amaladh glé thràth ann an aobhar a’ Phrionnsa. Mu dheireadh an Fhoghair thàinig fios gu Beinn-aldair gu ’n robh Teàrlach ’g a fholach fein teann air Achadh-na-caraidh fo thearmunn Chamaronach nan Cluaintean, agus thog dà bhrathair Loch-ial orra g’ a shireadh. Bha am Prionnsa, mac do Fhear nan Cluaintean, agus an ceatharnach-coille Pàdruig Grannda a’ fuireach ann am bothan beag ann an coille Loch-Arcaig. Moch air maduinn air a’ chóigeamh-là-fichead de cheud mhìos an Fhoghair, bha Teàrlach agus an Camaronach òg ’n an cadal anns a’ bhothan agus Pàdruig a’ faireadh. ’S fheudar gun tàinig tura-chadal air Pàdruig, air air dha dùsgadh le clisge chunnaic e coigrich a’ dlùthachadh air a’ bhothan. Chaidh e stigh le cabhaig far an robh Teàrlach ’s a chompanach ’n an laidhe agus dhùisg e iad. Bha am Prionnsa daonnan a’ cur air mhanadh clisge de ’n t-seorsa so. Chunnaic e nach robh e comasach dhaibh teicheadh agus rinn e suas inntinn seasamh mar bh’ aca agus iad féin a dhìon. Chuir iad urchair ’s na gunnachan is cha mhor nach d’ fhuair an càirdean fras luaidhe mar fhàilte. Tha an Lighiche Camaron a’ cur air aithris coltas a’ Phrionnsa aig an àm so—“Bha e cas-ruisgte, le seanna chòta-geàrr dubh agus [TD 256] féileadh air; léine shalach agus roibean ruadh feusaige, gunna ’na làimh le dag agus biodag r’ a thaobh; ach air a shon sin uile bha e cridheil agus ann an deagh shlàinte.” Ré seachdain dh’ fhuirich iad uile ann an coimhearsnachd Achadh-na-caraidh—seann dachaidh ghreadhnach Loch-ial a bha nis ’na smàl. Mu dheireadh fhuair iad fios a Beinn-aldair gu ’n robh an rathad réidh ’s gu ’m faodadh iad tighinn air an aghaidh. Air do ’n Phrionnsa dealachadh ri chraid Fear a’ Ghlinne, a chaidh gu còrsa na mara, thog e air leis an Lighiche, agus Dòmhnullach Loch-Garraidh, agus ràinig iad, air an deicheamh-là-fichead de cheud mhìos an Fhoghair, Meall-an-Iubhair aig bun Beinn-aldair. Cha ’n ’eil e farasda do dhaoine a tha ’g am folach ann an còsan is bothain càirdean aithneachadh seach nàimhdean, ’n uair tha iad tiota uapa. ’N uair chunnaic Loch-ial prasgan dhaoine a’ dlùthachadh air àite-folaich shaoil leis gu ’n robh e air a bhrath agus ged nach b’ urrainn dha teicheadh bha e dol a sheasamh a làraich cho fada ’s a bha ’na chomas. Mar sin chaidh e teann air a’ cheart fhàilte a thoirt do ’n Phrionnsa ’s a bha esan brath thoirt do ’n Lighiche Camaron an t-seachdain roimhe sin. ’N uair a thuig Loch-ial co bh’ aig e—gu ’m b’ e fear an t-seann chòta dhuibh, ’s an fhéilidh rioblaich Teàrlach, chaidh e ’n a choinneamh crùbach ’s mar bha e, agus bha e brath dol air a ghlùinean a chur fàilte air a’ [TD 257] Phrionnsa ’n uair a chuir esan a dhà làimh mu mhuineal ag ràdh—“A charaid, na dean sin idir, cha ’n ’eil fhios agad co dh’ fhaodas a bhi coimhead oirnn.” Bha pailteas anns a’ bhothan so de mhuilt-fheòil, de dh’ ìm, de chàise, agus buideal uisge-bheatha; agus bha am Prionnsa barrachd agus riaraichte leis an t-sògh a bha ’ga chuartachadh. “Nis, fheara,” ars esan, “tha mi cheart cho sona ri Prionnsa.” Bha Teàrlach ann am feum mór air aodach-cuim, agus thòisich triùir pheàthraichean Chluainidh agus rinn iad sè leintean dha—na deòir ’nan sùilean ’n uair bha iad ’a fuaigheal dhàsan a bha ’na fhògarach, ach a bu chòir a bhi tamh ann an lùchairt an Rìgh. B’ e bothan neònach a bh’ ann an àite-folaich a’ Phrionnsa aig an àm so. ’S e innleachd Chluainidh a thog e aig bun nan creagan àrda. Thugadh “An Sìth-bhruth” mar ainm air, agus bha e ’m folach am measg phreasarnaich is coille ann an àite fior uaigneach. An àite ballachan ’s e callaid a bha mu ’n cuairt air, moran de na craobhan a bha ’s a challaid a’ cinntinn gu nàdurra. Gus an robh duine teann air a’ bhothan éibhinn so cha tuigeadh e gu ’n robh e idir ann. Chumadh am bothan seisear, a bha am bitheantas air an roinn mar so—fear a’ còcaireachd, ceathrar a cluich chairtean agus fear ’n a fhreiceadan. Is dòcha ’n uair a bha iad a’ cluich nan cairtean gu ’m biodh iad ri feala-dhà mu ’n chaitheamh- [TD 258] beatha éibhinn a bh’ aca, gun ghuth no cuimhn’ aca air na cruaidh-chasan troimh ’n tàinig iad, is theagamh gun moran cùram mu na dh’ fhaodadh a bhi air thoiseach orra. Air eagal gu ’m faodadh am Prionnsa a bhi ’m folach ré a’ gheamhraidh thòisich Cluainidh air àite-folaich a’ chladhach dha fo thalamh far am biodh e seasgair fo dhion ré fuachd a’ gheamhraidh. Aig a’ cheart àm cha robh iad a’ leigeil cothrom seachad air feuchainn ri teicheadh. Chaidh bràthair do Loch-ial—am fear a bha ’na mhinisteir—duine tùrail faicilleach—do Dhùn-éideann agus fhuair e long a chuir e a dh’ ionnsaidh cala air taobh an ear Alba, a dh’ fheitheamh air a’ Phrionnsa. Ach thàinig furtachd rathad eile; bha fhios aig a’ Phrionnsa gu ’n robh fear Còirneal Warren a’ cur dà luingeas Fhrangadh an uidheam gu tighinn a nall g’ a thoirt dhachaidh, agus bha sùil riutha gach latha. Air an t-seathamh làtha de mhìos meadhonach an Fhoghair ràinig dà long Fhrangach Loch-nan-uamh. Theich seann Fhear Bhorodail agus a dhà mhac do na monaidhean, a’ fàgail searbhanta dìleas a dh’ fhaotainn a mach có as a thàinig na luingeis, agus gu fios a thoirt g’ an ionnsaidh. Mu bheul na h-oidhche thàinig prasgan Fhrangach a dh’ ionnsaidh a’ bhothain anns an robh iad am folach, agus dh’ innis iad an gnothach. Chaidh fios a chur gun mhoille gu Gleann-alladail agus ghabh Fear a’ Ghlinne os làimh dol gu Achadh-na-caraidh, agus fios a chur a dh’ ionnsaidh [TD 259] Camaronach nan Cluaintean, oir cha robh fhios aige fhein c’ àite ’n robh am Prionnsa aig an àm. Dh’ fhaodadh moille beagan uairean móran beud a dheanamh, oir na ’n cluinnteadh aig gearrasdan Cille-Chuimein gu ’n robh luingeis Fhrangach mu na cladaichean bhiodh an ceòl air feadh na fìdhle. Bha Fear a’ Ghlinne air a’ chruadalachadh nach b’ urrainn e amas air àite-folaich Fear nan Cluaintean, ach ’n uair a bha e toirt dùil-thairis thachair seana chailleach air a dh’ innis dha na bha dhith air. Chaidh teachdaire a chur do Bhàideanach agus gu neònach thachair e anns an dorcha air Cluainidh agus air an Lighiche Camaron agus liubhair e a theachdaireachd dhaibh agus chuir iadsan fios cabhaig do ’n “t-Sìth-bhruth.” Air an treas-là-deug de mhìos meadhonach an Fhoghair—mu uair ’s a mhaduinn—thriall am prasgan; ’n am measg aig an àm bha Cluainidh, Loch-ial, Mac-a’-Phearsoin, Bhreacachaidh, agus h-aon no dhà eile—a dh’ionnsaidh còrsa na mara. Bha iad a’ triall ré na h-oidhche agus a’ cadal ré an làtha, ach bha an dùthaich cho fàsail shàmhach gu ’n tug am Prionnsa làmh air a ghunna. Chaidh iad aon uair eile troimh ’n duthaich a tha cuartachadh Loch-Arcaig, agus seachad air Achadh-na-caraidh far an d’ fhuair iad caisteal Mhic Dhomhnuill duibh air a losgadh gu làr, agus thairis air na beanntan creagach far an robh iad beagan sheachdainean roimhe sin air an ruagadh mar [TD 260] fhiadh bheathaichean, a dh’ ionnsaidh cala Loch-nan-uamh, ’s a dh’ ionnsaidh teaghlach bhlàth-chridheach Bhorodail. Bha buidheann mhaith de chairdean Theàrlaich a bha ré mhìosan am folach a nis air tighinn gu Loch-nan-uamh air dhaibh a chluinntinn gu ’n robh na luingeis Fhrangach ’nan laidhe an sin; ’nam measg bha Tighearn òg Chlainn-Raonaill, Fear Ghlinn-Alladail agus Dòmhnullach Dhail-a-léith. Air an luing leis a’ Phrionnsa sheòl Fear Loch-garaidh, Iain Ruadh-Stiubhart, an Lighiche Camaron, agus Loch-ial. Bha muinntir a chunnaic iad ag ràdh gu ’n robh na deòir a’ ruith le gruaidhean uasail is iosail, ’n uair a bha na luingeis a’ seòladh o thìr, agus iadsan a’ gabhail an cead do bheanntan corrach Alba, ged a bha iad uile an dòchas tilleadh air ais ann an uine gheàrr—“Le banal ghruagach a luaitheadh an clò-ruadh gu daingeann.” Ach mo thruaighe cha do thill a’ mhor chuid dhiubh riamh do thìr an gaoil. Chuir iad seachad am beatha ann an dùthaich chéin a’ cuimhneachadh air a’ mhath a bha le cridheachan làn fadail air son Tir nam Beann is dachaidhean an gaoil. Deich bliadhna ’na dheigh so chaidh beireachd air an Lighiche Camaron ann an Lunnainn agus a chur gu bàs; b’ esan am fear mu dheireadh a dh’ fhuiling mar reubalach ann an aobhar a’ Phrionnsa. Chaochail Loch-ial leis a’ bhriseadh-cridhe dà bhliadhna an déigh dha [TD 261] Albainn ’fhàgail. “Na guilibh air son a’ mhairbh, ni mò ni sibh caoidh air a shon; guilibh gu goirt air a shon-san a dh’ imich air falbh; oir cha phill e na ’s mò, agus cha ’n fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais.” A CHRIOCH.