[DA 1] COCHRUINNEACHA TAOGHTA DE SHAOTHAIR NAM BARD GAËLEACH. A CHOICE COLLECTION OF THE WORKS OF THE Highlands Bards, COLLECTED IN THE HIGHLANDS AND ISLES. BY ALEXANDER AND DONALD STEWART, A. M, “Illa pharetratis est propria gloria Scotis, Cingere venatu saltus, superare natando Flumina, ferre famem, contemnere frigora et æstus; Nec fossa, et muris patriam, sed Marte tueri; Et spreta incolumem vita defendere famam; Polliciti servare fidem, sanctumque vereri Numen amicitiæ, mores, non munus amare.” IN TWO VOLUMES. VOL. I. Duneidin: CLODH-BHUAILT LE T. STIUART. 1804. [DA 2] Entered in Stationers Hall. [DA 3] TO THE NOBLEMEN AND GENTLEMEN OF THE HIGHLANDS OF SCOTLAND, THIS COLLECTION OF THE WORKS OF THE HIGHLAND BARDS, THE PUBLICATION OF WHICH THEY HAVE BEEN PLEASED TO PATRONIZE AND ENCOURAGE, IS MOST RESPECTFULLY INSCRIBED, BY THEIR MUCH OBLIGED AND MOST HUMBLE SERVANTS, THE EDITORS. [DA 4] [Blank] [DA 5] CLAR INNSEIDH. Taobh duilleige A CHLANNA Cuinn, cuimhnichibh 1 Am fad ’s a bha tlachd agad annam 14l Ann am madain chiuin cheitean 173 An raoir a chuala mi’n sgeula 198 A bhliadhna na Caluinn s’ 252 Aibhist fhuar! gun tuar, gun dreach 297 Air bhi dhomh-sa triall thar druim 402 A laochraidh threun, a’s caoine dreach 530 Aghmhor mar Dhè neo-bhàsmhor tha 537 Air bhi dhuinn la sa bheinn sheilg 558 A Chlann Uisnich nan each geala 562 An cual Oisian guth neo fhaoin? 581 An d’fhag thu gorm astar nan Spèur 592 Beannachd dhuit o’n ghabh thu ’n tam 80 B’og bha mis, a’s Mari 120 Bithidh fonn orra daonnan 127 Chunnaic mise bruadar 41 Cha tog mise fonn, cha ’n eirich e leam 85 Cia iad na Dè, ’s Duilean treun 94 Co b’e dheanadh mar rinn mis’ 255 Co fad ’s a tha cliu na Reul tuatha 265 Chlannaibh nan Gael 382 Chualadh mi gu’n chailleadh thu 393 Ciod is lionmhoire na feur? ar Fion 545 Ceathrar fear fionn nan suidhe air thùs 547 Dhiult a Cheolradh an còra binn 284 [DA 6] Dia gad’ bheannachadh Iain bhàin 501 Fheara og’ leis a’ miannach posadh 51 Feasgar Luain, a’s mi air chuairt 328 Fhuair mi sgeul o’n ghobha 388 Fhuair mi naigheachd ro mhath leam 433 Ge do theid mi dom leabaidh 149 Ged is socrach mo leabaidh 162 Gur e mis’ tha briste, bruite 184 Gu ’m bu slan do’n mhaighdin oig 191 Gu’m beannaicheadh Dia an teach, ’san tùr 225 Gur e mis’ tha gu cianail 333 Gur e naidheachd so fhuair mi 445 Ge socrach mo leaba, b’annsa cadal air fraoch 485 Gur e mis’ an smeorach chreagach 513 Iain mhic Eachainn o dheug thu 36 Innis dhomh-sa fhir fudh chreuchdaibh 549 Is tiamhaidh nochd Gleann comhann 554 Lamh Dhe leinn a dhaoine 419 Moch la Coille ann sa mhadain 143 Mo nighean bhuidh bhàn nach falbhadh tu leam 147 Mo ghaol an coilgearnach spracail 187 Mo bheud, ’s mo chradh 228 Mu’n sgeul so a chualas 239 Moch madain Cheitein ri ceo 287 Moch madain shamhraidh, am mios fàs nam meas 294 M’inntinn cha’n eirich ri ceol 305 Mile mallachd, do’n òl 351 Moch, ’s mi ’g eirigh sa mhadain 406 Mi gabhail Sraith Dhruimuachdair 416 Mi bhi m’shuidh’ air tulaich fhaoin 479 Marbh-phaisg air a mhulad sin 488 Mo mhille beannachd ort Iain Ghrudai 495 Mhari bhoidheach gur mor mo ghaol or 510 Na’n luidhe ’n so gu h iosal 74 [DA 7] Nach truagh leat mi ’s mi ’m priosan 125 Nighean donn na buaile 135 ’Nuair thainig mi Ghleann a Comhann 133 Na’n tarladh dhomh sin fhaotuinn 170 Nigheann bhoidheach 180 ’Nuair a bha thu d fhleasgach òg 209 Nis o’n tha mi m’ aonaran 233 Nach truagh an sgeul, fhuair mi fein 268 Naigheachd fior, a chaidh aithris 276 Neonan bhàn a’s ailli snuadh 281 Nach mireagach Cupid 336 ’Nuair bha’m bàrr agaibh sgaoilte 451 Naigheachd a fhuair sinn an tras, 456 Och! a’s och! gur mi ’n t Oisian 96 O thainig mi dhuthaich Lochiall 103 O! mosg’leamaid gu suilbhear ait 158 O thainig mi do’n bhaile so 194 O’n tha mi fudh mhulad air m’ aineol 205 O’s fada, ’scian fada 249 O’n a thuit duinn bhi ’s tigh osda 345 O’n thathaich mi ’n rathad 371 Och! a Thearlaich òig Stiuart 440 O thusa fein a shiubh’las shuas! 590 Rugadh mis ’ann sa gheamhradh 103 Righ! gur muladach a tha mi 216 Ri fuaim an Taibh 279 Rinn mi suidh’ aig a charn 301 ’S i bhliadhna ùrsa thug am beum orm 20 ’S i so ’n Nollaig a’s cianaile 29 ’Se do bhàs a Mhaistir Murcha 56 ’Scianail ’s cianail, O! ’scianail a ta mi 64 ’Se do bhàs Choinnich Shutharlain 66 ’Sann o bhliadhna na tiomsa 70 ’Smi-chomaineach thusa shaoghail, ’s b’ abhaist duit 73 [DA 8] ’Sann leam nach eil tlachdmhor 90 ’S mor easbhuidh Lathurn’ am bliadhna 213 ’S e mo bheachd ort a bhàis 242 ’S trom leam an airidh 258 ’S aonarach ata mi ’m blindhna 262 ’S tìm, tuirserch mo dhusgadh 319 ’S truagh gu’n bhi san aite 323 ’S tric mi sealtuinn o’n chnoc a’s airde 339 ’S iad na Gaidhil a fhuair an cliu 342 Shaoruinn, fheinn gun teagamh i 348 ’S tu Mhòrag rinn mo bhuaireadh 354 Slan a chaoidh le ceol na Clàrsaich 257 ’S mise th’ air mo bhodh’radh 366 ’S mor mo mhulad, s mi m’ aonar 396 Sgeul a thain’ an tras oirn 426 ’S an ochd-ceud-deug, a’s bliadhna 470 ’S ann thall ann an Sòa 508 ’S e dhuisg mo ghaol an tùs duit 526 ’S i so ’n aimsir a leon mi 532 ’S aobhar dhèur an sgèul gun bhrèig 538 ’S tùrasch gach lath mi, ’s craiteach gach oiche 542 Tha tamal o sguir mi de ’n dàn 114 Thoir beannachdan le dùrachd uam 132 Tha m’ aigne fein ag eirigh leam 153 Tha sud do ghna air m’ inntinn 167 Tha mo chean air an og mhnaoi 201 Tha cuid de na Bardaibh 272 Tha mise air leaghadh le bròn 361 Tha mulad mor, tha mi-ghean orm 411 Tha bith ùr an tìr na Dreolluin, ’s coir dhuinn aisneis 430 Tabhair fios uam do’n Bhrunach 459 Togaibh misneach, a’s sòlas 464 Thug m’inntinn air fad gu beadradh 482 Thainig cachdair o’n Righ 521 [TD 1] COCHRUINNEACHA TAOGHTA DE SHAOTHAIR NAM BARD GAELEACH. PROSNACHA CATHA Chloinn Domhnuill, le Lachunn Mor Mac Mhuirich Albanaich, la Catha Harla.* A. A Chlanna Cuinn, cuimhnichibh Cruas an am na h-iorghuil Gu arinneach, gu arronnach, Gu àrach, gu allonnta, * This battle was fought, anno 1411, at a small village, called Harlaw, in the district of Garioch, within ten miles of Aberdeen. The cause of it was this: Walter VOL. I. [TD 2] Gu athlamh, gu arronta, Gu allmhara, gu arachtach, Gu anmhorach, gu aoninntinneach, Gu àrmeineach, gu anamanta, Gu ascaoineach, gu airfideach, Gu alltuidh, gu anbarrach, Gu anmeinneach, gu anglonnach, Gu ainneartach, gu ainsgianach, Gu ainteasach, gu anmhurrach, Gu armleonach, gu acfhuinneach, Gu armchreuchdach, gu aigeantach, Gu àillghiosach, gu agarach, Gu àghmhor, gu abarach, Gu airbheartach, gu athbhuilleach, Gu andligheach, gu athmhilleach, Lesly, a man nobly born, succeeded to the Earldom of Ross, in right of his lady, who was daughter of that House. He had by her a son, who succeeded him, and a daughter, who was married to the Lord of the Isles. His son married a daughter of the Duke of Albany, son of Robert II., at that time Governor of Scotland; but dying young, left behind him only one child—it is said that she was somewhat deformed, and rendered herself a Religious. From her the Governor easily procured a resignation of the Earldom of [TD 3] Gu ainmail, gu alloil, Gu ardanach, gu athsheallach, Gu aonghuthach, aonchridheach, Aonghneach, allbhuadhach. B. Gu beotha, gu barrail, Gu brighmhor, gu buadhach, Gu borbanta, gu buanfheargach, Gu builleach, gu buillsgeanach, Gu borb, gu beothail, Gu beumlannach, gu beumbhuilleach, Gu bunanta, gu beumach, Gu beachdaidh, gu beucach, Gu blaghach, gu buadhail, Ross in favour of John Earl of Buchan, his second son, to the prejudice of Donald Lord of the Isles, who was grandson of the said Lesly, and supposed the nearest heir. He claimed his right accordingly, but finding the Governor, who probably regarded him already as too powerful a subject, not inclined to do him that justice he expected, he immediately raised an army of no less than 10,000 men within his own isles, and putting himself at their head, made a descent on the continent, and, without opposition, seized the [TD 4] Gu boisgeanta, gu buaireasach, Gu bagarach, gu buaidhghuthach Gu bunntuineach, gu buansheasmhach, Gu ballsgiorrail, gu buaidhlarach, Gu barrachdail, gu beumnach, Gu beurtha, gu buadhmhor, Gu baganta, gu bàdhach, Gu biorrganta, gu brasbhuilleach, Gu barrcaideach, gu barantail, Gu beoinntinneach, beofhradharcach, Buaidhchathach, bunailteach, buanlaith’reach. C. Gu calma, gu curanta, Gu crodha, gu cruadalach, Gu cathbhuadhach, gu creuchdarmach, lands of Ross, and after encreasing his army with the inhabitants, he continued his march from Ross until he came to Garioch, within ten miles of Aberdeen, ravaging the countries through which he passed, and threatening to enrich his men with the wealth of that town. But before he could reach that place, his career was stopt by Alexander Stewart, grandson of Robert II., and Earl of Marr. For this brave youth, by orders from the Governor, drew together, with [TD 5] Gu cruaidhlamhach, gu corrghleusach, Gu conspullach, gu còragach, Gu ciorusgrach, gu conusgrach, Gu colganta, gu cathmhor, Gu cuilbhaireach, gu cruaidhlannach, Gu cneadhach, gu caithreamach, Gu cathchritheach, gu ceannspreathach, Gu ceannasach, gu cùramach, Cu craobhach, gu cliuiteach, Gu cumhachdach, gu confhadhach, Gu claoidhbhuilleach, gu colgarra, Gu cruaidhbhuilleach, gu casbheumach, Gu coimheach, gu coirbte, Gu cubhaidh, gu cudthromach, Gu curaideach, gu cunnbhailteach, Gu cointinneach, gu cnagach, great expedition, almost all the nobility and gentry between the two rivers Tay and Spey, and with them met the invader at the place above mentioned, where a long, uncertain, and bloody battle ensued; so long, that nothing but the night could put an end to it: so uncertain, that it was hard to say who had lost or gained the day; so bloody, that one family is reported to have lost the father and six of his sons. The Earl of Marr’s party, who survived, lay all night on [TD 6] Gu cruaidhchridheach, gu corrach, Cràdhach, collaideach, creachmhor. D. Gu dian, gu dùr, Gu dàsanach, gu deaghfhulangach, Gu dàna, gu discir, Gu dioganta, gu dichoisgte, Gu deinnteach, gu dlubhuilleach, Gu dearglamhach, gu doruinneach, Gu doiligh, gu dolubaidh, Gu drochmheinneach, gu dubhailceach, Gu deacarach, gu doirtfhuileach, Gu deifireach, gu deannalach, Gu dichiollach, gu deurasach, Gu dearg lasrach, gu dioghaltach, Gu dèisteanach, gu diubhalach, Gu dimheasach, gu diongach, the field of battle; while Donald, being rather wearied with action, than conquered by force of arms, thought fit to retreat, first to Ross, and then to the Isles. Vide Abercromby’s Hist. [TD 7] Gu dealaidh, gu deaghbhuilleach, Gu deonach, gu dùrachdach, Gu dorrdha, gu danghara, Gu duranta, gu dalma, Gu durganta, gu dorrda, Dochasach, dochiosuighte. E. Gu euchdach, gu easguinn, Gu earailteach, gu eudnamhach, Gu eacruthach, gu eagsamhlaidh, Gu eudmhor, gu eudloisgeach, Gu eifeachdach, gu euchdghniomhach, Gu eangnamhach, gu eighmhor, Gu eatrocaireach, gu earghnaidh, Gu eatlathach, gu eagmhaiseach, Gu eisgeartha, gu ealdhanach, Gu ealamh, gu eireachdail, Gu eachtranach, gu eadarbhuaiseach, Gu eagnaidheach, gu earbsach, Gu eisiomalach, easgaidh, eascairdeach. [TD 8] F. Gu friotach, gu furachair, Gu fiachmhor, gu fuileachdach, Gu freachnamhach, gu frinneasach, Gu feargloisgeach, gu fuathmhorach, Gu fuadarach, gu fuathach, Gu fealltach, gu fradharcach, Gu fortail, gu fuathasach, Gu farranta, gu foirneanta, Gu frithir, gu feumail, Gu fearail, flathmhaiseach, Gu frioghail, gu fiorghleusda, Gu fiorghlanta, gu faramach, Gu frithloisgeach, gu fionnghaileach, Gu faicilleach, gu fulangach, Gu fraochmhor, gu foghainteach, Gu fiaghaich, gu fiadhanta, Gu foighidneach, gu faimeachail, Gu foillghuineach, gu faobharach, Gu fuarchridheach, gu fuaimneach, Gu farasda, gu feardha, [TD 9] Gu fiughantach, gu foghluimte, Gu foirneartach, gu feargach, Gu flathail, furanach, furbarneach. G. Gu gruamach, gu grimail, Gu grainail, gu gaisgail, Gu gleusda, gu geinnail, Gu gasda, gu guineach, Gu golghaireach, gu griongalach, Gu griosnamhach, gu geurlamhach, Gu glansgathach, gu geurlannach, Gu goinlamhach, gu garbhchreuchdach, Gu gaorrghonach, gu gaoirghulach, Gu graisneach, gu glaodhmhor, Gu gusmhor, gu guaismhor, Gu gormhchridheach, gu guaisbheartach, Gu glanchosg’rach, gu gearrghuarsgrach, Gu gramail, gu greannach, Gu grinneasach, gu gradcharach, Gu gearrbhuilleach, gu gniomhlochdach, Gu gangaideach, gu geurchuiseach, [TD 10] Gu goirtchathach, gu geurshaighideach, Gu grioghanach, greadanach, gartmhor. I. Gu inntinneach, gu ionbhuadhach, Gu iomghonach, gu iomdheargach, Gu imshniomhach, gu imaithbhiorach, Gu intleachdach, gu innealta, Gu iolachdach, gu idnearach, Gu iogarnach, gu iolghuthach, Gu iolghairdeach, gu iolbhuadhach, Gu iolghonach, gu iolghneach, Gu iollagach, gu imaithsearach, Gu imeasarganach, gu imraiteach, Gu imbhuilleach, gu imseach, Gu imsgathach, gu iorguileach, Gu iunnsaidheach, gu ionnradhach, Gu inghreimach, gu imluagail, Gu itealach, gu iulmhor, Gu imchubhaidh, gu iullagach, Gu iriseach, gu iardhalta. [TD 11] L. Gu laomsgirra, gu lanealamh, Gu labanach, gu lanchrodha, Gu laidir, gu lochdmhor, Gu leoghanta, gu lamhdheargach, Gu laochail, gu ladarna, Gu lomsgarach, gu lomsgathach, Gu lòghmhor, gu leirsgriosach, Gu luathbhuileach, gu luthchleasach, Gu laochlamhach, gu luidheachanach, Gu leacanta, gu loinnearach, Gu lanneuchdach, gu loisceanta, Gu lamhlotach, gu liobhara, Gu leonchraiteach, gu luaimneach, Gu lannchathach, gu lomarra, Gu lamhsgiorrail, gu lamhsgathach, Gu leimneach, gu lasanta, Gu leanailteach, gu leadrach, Lotach, leirfineach, luailteach. M. Gu mear, gu meanmnach, Gu morchridheach, gu mearrganta, [TD 12] Gu mileanta, gu maoimanta, Gu meaghlach, gu mirechathach, Gu meaghrach, gu mirunach, Gu moreuchdach, gu mothachail, Gu measarra, gu misneachail, Gu morlotach, gu mordhalach, Gu morphronntach, gu morghairdeach, Gu morurranta, gu morthaitneach, Gu morainmail, gu moriorgantach, Gu morintleachdach, morchliuiteach, Gu mishathsach, gu maitheasach, Gu millteach, gu marbhteach, Gu morsgriosach, gu morfhuileach, Mearchruadalach, morchuiseach. N. Gu neimhneach, gu namhaidail, Gu niata, gu nuadarra, Gu neoeagalach, gu neoeisleanach, Gu neoiochdmhor, gu neomheata, Gu nuallghuthach, gu nochdlannach, Gu neomhathach, gu neosgàthach, Gu neo-iochd’ranach, gu neothrocaireach, [TD 13] Gu nathairneimheach, gu neartmhor, Gu neimhail, gu neulfheargach, Namhadach, neoghioragach, neochearbach, O. Gu oirdheirc, gu oglaochail, Gu ollabhar, gu osnadhach, Gu oscach, gu oscardha, Gu orbheartach, gu orbhuadhach, Gu onorach, gu onfhadhach, Gu ordail, gu orchiseach, Gu oirnealta, gu orloinneach, Gu oilthreabhach, gu oirchilleach, Gu oirail, gu oirfheadhnach, Gu oidmhuinteach, gu oscartha, Gu olfhuileach, oilbheumach. P. Gu prop, gu priomhurlamh, Gu prosda, gu prionnfail, Gu praidhinneach, gu preachanach, Gu peirseach, gu preabanach, Gu pronntach, gu painntireach, [TD 14] Gu prosnadhach, gu priobarrach; Gu piolaisteach, gu peannaideach, Gu praisbhallach, gu puinneanach, Gu piollach, gu peilghuineach, Gu parraicideach, gu porneimheach, Gu plosgarnach, pleasganach. R. Gu ruaimneach, gu rioghail, Gu robhorb, gu rannphairteach, Gu rathoil, gu ruisceanta, Gu ruireachail, gu rotach, Gu riaghailteach, gu reubach, Gu ruidigh, gu reachdail, Ou roinnphairteach, gu ruganta, Gu roghlic, gu rosgfhradharcach. Go rofhaicilleach, gu rannsachaidh, Gu rothreun, gu reachdach, Gu ringthach, gu ruatharach, Gu riamhach, gu ribach, Gu reublannach, gu reimheach, Gu reimail, gu righfheinneach, Gu robharrail, gu roghasda. [TD 15] Gu robhuadhach, gu ro-oirdheirc, Gu roàghmhor, rodhian, roghleusda. S. Gu sàrbhuilleach, gu socair, Gu sobhuailteach, gu suilbhir, Gu seunail, gu sarbhuailteach, Gu sanntach, gu suigeartach, Gu siorbhualach, gu seimhidh, Gu sgairtail, gu screitidh, Gu sealgach, gu sracaireach, Gu screidail, gu sgiamhach, Gu sodhearbhta, gu sgiorrail, Gu scealparra, gu sgealparra, Gu sgathach, gu sgeilmail, Gu sadbhuilleach, gu saibhailt’, Gu sgairghreamach, gu smiorail, Gu smuisghearrach, gu smiorchruadhach, Gu scairtoil, gu smachdmhor, Gu snaitheach, gu somulta, Gu soibheusach, gu somhuinte, Gu sgabullach, gu srolbhratach, Gu spealanta, gu starbhanach, [TD 16] Gu seanghlic, gu sgailcarra, Gu seasmhach, gu soighnail, Gu soghniomhach, gu seasgarach, Gu saibhreach, gu saorghreasach, Gu sgaiteach, gu sgiathach, Gu suilshurachair, gu saighidgheur, Gu stuaghghreanach, stuthchruaidh, Gu sluchach, gu slugach, Gu sluaghmhor, gu sobhuadhach, Gu scapach, gu scanrach, Gu sgarach, gu sgaoilteach, Gu slacairteach, gu siansach, Gu siosarnach, gu sunghaothach, Gu seideach, gu spuinneach, Gu steallach, gu stroiceach, Gu scianach, gu spionach, Gu sraoilleach, gu sligheach, Gu stalcurra, gu siorbhuanach, Gu subhailceach, gu sracach, Gu starrach, gu streangach, Gu sonnta, gu smachdail, Gu sona, subhach, seolta, suairce. [TD 17] T. Gu treuntach, gu teinteach, Gu togarach, gu tulchuiseach, Gu troidfheargach, gu troidchathach, Gu teathfhuileach, gu traosgach, Gu tortail, gu treunchathach, Gu turloisgeach, gu teurainte, Gu tarruigeach, gu treunbhuilleach, Gu toirmisgeach, gu tostalach, Gu tailceasach, gu teascaireach, Gu teanailteach, gu toireach, Gu tartarach, gu trosgach, Gu treunghreimach, gu toirleanailteach, Gu toibheumach, gu treunthonnach, Gu truaghmheileach, gu taitheach, Gu teagmhuiseach, gu tuineasach, Gu teaschathach, gu taitneach, Gu tartfhuileach, gu treunsgathach, Gu trombhuilleach, gu tionsgnamhach, Gu tuadhbhuilleach, gu tarbhach, Gu trusganta, gu tiogaireach, Gu treuntoisgeach, gu tochdfheargach, [TD 18] Gu tochailleach, gu tollghonach, Gu treachailleach, gu toichiosdalach, Gu tormanach, gu tuiriosgach, Gu teoma, gu tabhachdach, Gu taicail, gu tromluidheach, Gu treubhach, gu treisail, Gu toillteanach, gu turailteach, Gu tùrail, tapaidh, tulgach, tionnsgnach. U. Gu urlamhach, gu urmhaiseach, Gu urranta, gu uraluinn, Gu urchleasach, gu uaibhreach, Gu uilfheargach, gu uaillfheartach, Gu urchoideach, gu uabha ach, Gu urrasach, gu urramach, Gu urloisgeach, gu uaimhshlochdach, Gu uachdarach, gu uallach, Gu ullamh, gu usgarach, Gu urmhailleach, gu uchdardach, Gu uidhimichte, gu ughdarach, Gu upagach, gu uilefhradharcach, Gu upairneach, gu urghleusach, Gu urbhuilleach, gu urspealach, [TD 19] Gu urlabhrach, urlamhach, urneartmhor, Gu coisneadh na Cathlarach, Ri bruidh’ne ur biughi, A Chlanna Chuinn cheudchathaich, ’Si nis uair ur n’aithneacha A chuileanan confhadhach, A bheirichean bunanta, A leoghuinan langhasda, Onnchonaibh iorghuileach, De laochraidh chrodha, churanta, De Chlannaibh Chuinn cheudchathaich, A Chlannaibh Chuinn cuimhnichibh, Cruas an am na h-iorghuil. [TD 20] MARBH-RANN do Mhaistir Donull Mac Cuinn, Ministeir a bha ann an Cille Mhuire Throternis san Eilean-Sgiathanach. Air fon, “Slan gu’m faic mi thu Mharcuis,” le Iain Lom. ’S i bhliadhna ùrsa thug am beum orm, Ge cruaidh ’s fheudar dhomh fhulang, Thug i ’n clogaid, ’s an sgia dhiom, Bha gam dhionadh o gach cunnart; Chaill mi m’airm, agus m’aodach, Bhuail an t-aog mi le bhuille, Mo cheann, mo chasan, ’s mo lamhan, Gu trom na’n luidhe fudh’n tulaich. ’Sann ’san tulaich na luidhe, Tha ’m fear taighe gun ghruaiman, ’M fear fiughantach, flathail, Dha’n robh tathaich na’n uaislean, Lamhan sgaoilte gu ’n glacadh, ’S ann a b’ fhada leat uat iad, [TD 21] ’S cha b’i chuirm gun an còra Gheibhte aig Dònull san uair sin. Cha b’i chuirm gun an còra Gheibhte air bord mhic na maise, Cuach, a’s cupanan lana, Le cairdeas, a’s aiteas, Bhiodh tosd air na ceudan Ag eisdeachd ri d’eachdraidh, Cha chluinntear, ’s cha chuala Ceol cluaise co-taitneach. ’S mor bha thaitneachdan sùla Ann do ghiulan, ’s do nadur Cha’n fhaca fear riamh thu, Nach robh lionta le gradh dhuit, Bha mais ’ann ad’ aoduinn, Agus faoilte le cairdeas, Bha tarruing na’n ceud ort, ’S moran ceutaidh aig cach dhiot. S’ mor an ceutaidh bh’aig cach dhiot Tha do chairdean ga d’ iarguin, [TD 22] Bu tu ’n coileir, ’san cleoca, Bu tu ’n seol a cuir dion orr’, Bu tu ’n cairide Cuirte, Ann ’sgach cùis am biodh fiaradh, ’S a bheireadh gu crich i Le firinn, a’s riaghailt. Bu tu fear riaghlaidh gach gnothaich, Bu tu ’n comhairlich fior ghlic. Fear a dh’iaradh, ’sa ghabhadh, Bhiodh an aithis leat direach, Bhiodh an stiuir an do dheaslaimh, Ann am freasdal na sithe, Ga seoladh gu cala Cheart aindeoin na strithe. Nis ’s doirbh dhuinn a seoladh, D’fhalbh an seol’dair, ’san sgiobair, D’fhalbh an t-slat leis an aodach, Tha sinn sgaoilte dha ’n trioblaid, D’fhalbh an crann leis an tarruing, Tha sinn falamh dhe ’n rigein, D’fhalbh an druim leis na saidhean, ’S cruaidh an gnothach nach tig thu. [TD 23] ’S cruaidh an naigheachd nach tig thu, ’S tu sa chiste chaoil chiaraich, Gun chothrom air eirigh, Cha’n eil treun ris nach tainig, ’S fheudar triall, ’sa dhol dathigh, Gun an teachdaireachd aicheadh, ’Sa dh’aindeoin ar ’n earbsa, Cha’n eil dearbh ach am bas duinn. Tha fear cheangal na sithe, Na shìne fudh’n fhuar lic, Beul a dh’aithris na firinn, ’Sga toirt siobhailte uaithe, Bheireadh naimhdeas gu cairdeas, Ann an aite na tuasaid, Cha do luidh, ’s cha do dh’eirich Fear reit’ a bheir buaidh ort. D’fhalbh ar tuigse, ’s ar gliocas, ’Nuair a sgioblaicheadh uainn thu, Bu neart air ar cùl thu, Ann ’s gach cuis a bhiodh cruaidh oirn, Bu tu ceann-uidhe na’m feumach, ’S tu an deigh air am fuasgladh, [TD 24] Tha d’ luchd leanmhuinn fudh smaointean, ’S iad mar chaoraich gun bhuachaill. Tha d’Eaglais na bantraich, Ge teann air a taobh thu, Do leithid cha’n fhaigh i, Tha e aineamh re fhaotuinn, ’M fear a gheibh i a cheud uair, Tha e na fheuchain nach saoil e, Mu leanas e samh’la ’N fhir a bh’ ann, bithidh e daor dha. Tha do mhic, tha do bhraith’rean, Tha do chairdean, ga d’ iuntruinn, Tha chlann nighean a d’ fhag thu Lan craidh, agus ciuraidh, ’S tric sile o ’n gruaidhean Air an cluasaig ag drutha, ’S bochd an uaigneas na’n Seomar, ’S cha’n eil neonachas uair ann. ’N te a d’fhag thu san ait’ dhiu, Thuit a h aigne, ’sa h inntinn, Tha sac trom air a cridhe, [TD 25] Cha tog fiodhall, na piob e, Cha tog clarsach, na ceol e, Fad ’s as beo i, bithidh cuimhn’ aic Air na fhuair i dhe d’ cheanal, ’S d’ fhag am barrachd ud claoidhte i. Cha’n eil comunn ’s na shuidh thu, Nach robh duilich ’nuair chual iad, Gu’n deach thu fudh dhubhar Ann sa chumhag, ’s nach gluais thu, ’S mor de sheanachas math priseil Tha dhi oirn san uair sin, ’S ’nuair bu mhath dhuinn thu aguinn, ’S ann a ghrad thugadh uain thu. Dhomhsa b’aithne do chleachda, Na’m bu mhath mi gus innse, Bu tu ’m fear foighidneach, faicilleach, Bu tu ’m fear macanta, siobhailt, Bu tu ’m fosgaradh fialaidh, B’e ’n diubhail thu bhi dhi oirn, Bu tu ’m fear carthanach, cairdail, ’M fear gun ardan, gun stri thu. [TD 26] ’S far an deanadh tu suidhe, Bu tu cridhe na feile, Bu tu ’n tlachd, bu tu chuideachd, Cha bu sgrubaire feicheach, Na dh’iaradh tu, dhioladh tu, Riamh mar a d’ fheum thu, ’S ioma fear dha ’m bheil call ann Luathas a lamhsich an t-eug thu. Bha meas dhiot an alba, ’S bha thu ainmail an Lunnduin, Air dheiseachd, ’s air àilleachd, ’S tu gun fhaillinge cumaidh, Cha do sheall ann ad aghaidh, Nach bu tu raoghuinn san iomairt, Bu shàr chompanach righ thu, ’S tu nach diobradh fear cumant. Nuair a rigeadh tu ghalltachd, Agus causair Dhuneidin, B’e do bheatha aig gach deas-fhear, Bu luaithe theirt ann na cheile, ’M fear nach b’ urruin thu fhreasdal, Bhitheadh e ’m feasd ann an eùd riut, [TD 27] Cha robh buaidh a bh’air duine, Nach robh an cumantas streup riut. Air d’fhalbh, ’s air do thighinn, Bu tu ’n tighearn aig a bhaile, Bu tu macaibh na h-uailse, Ann an uachdar do thalla, B’e do shòlas a chuideachd, ’S cha robh sgruba nad’ aire, ’S ge do d’fhanadh iad bliadhna, Bhitheadh iad riaruichte mar’ riut. Nis o chàireadh an ùir ort, ’S nach eil duil ri thu thighinn, Bu tu sgoltadh na còrach, Fhir chòraidich, chridhail, Agus iuchair na glaise, ’Nuair a rachadh tu bhruidhin, Agus casg’ na mi-riaghailt Far an iart thu na d’bhritheamh. Trian cha’n urruin mi fhosgladh Dhe na choisinn thu dheagh-chliu, Bha uigh Dhia, agus dhoine [TD 28] Air a sheuladh na aoduinn, Bha thu carthanach, aonfhilte, Ri daonaichte, ’s ri feumaich, Cha d’aicheadh thu ciad ghnuis, ’S cha b’fhiach leat sud eisdeachd. Thug cach dhuit an t-urram Air na chunnaic, na chi iad, Do leithid cha d’rugadh Ann sa chuid so de ’n righeachd, ’S ioma fear dha ’m bheil fios air, ’S fearr na mise gus innse, Leis an duilich nach beo thu, ’S gu’n d’fhag Donull mac Cuinn sinn. Gu ’n cluinn mise t’àlach Del air thàbhachd, ’s air mhisnich, Ann an cliu, ’s ann an onair, Ann an sonas, ’san gliocas, Mu theid sibh ri dualchas, Leanaidh uailse, agus meas ribh, Leanaidh tlachd, a’s buaidh-larach, Ribh sgach aite dha’n tig sibh. [TD 29] MARBH-RANN do Mhorear Donull Mac Aoidh, le Rob. Donn, Air fon, “Tha Cheapach na fasach.” ’Si so ’n Nollaig a’s cianaile Chunnacas riamh le mo shuil, Is soilleir easbhuidh nar Triath oirn ’Nam do’n bhliadhna tighinn ùr, Ceann na cuideachd sna Tabhairn, An luchd Dhàn, as a chiuil, Na luidhe ’n Eaglais Chinntaile ’S an rùm a’s fhaidhne fudh ’n ùir. ’S ioma buille bha craiteach, A rinn am bàs a thoirt duinn, Air cosdas geugaibh do theaghlaich, Gun ágha bonn do na cinn, Ach cha deach urrad de throcair A chuir fudh ’n fhoid ri mo linn, [TD 30] ’Sa chuaidh a sparradh san toma Le Morear Donull Mac aoidh. ’S lionmhor buaidh bh’ ann do uadur, Nach urruin bard chuir an ceill, Cha d’àt do mhoirearachd d’ardan, ’S cha d’leag cairdeas do speis, B’fhiu do choirean an sgaoileadh, Air feadh an t-saoghail gu leir, Gu’n robh do mhaitheanas ullamh Dha’n aon a mhealladh thu ’n dè. ’Nuair thigeadh am na Feilmartuin, A’s cunntadh mhall hugad fein, Bhiodh do shuil ris gach paipeir, A chuireadh an Clarc as a dheigh, ’S math dh’aithnicheadh tu ’n tairidh, ’Sa ’n neach a tharladh san fheum, ’Se do pheann a bhiodh easguidh Gu duthadh ’mhain an cuid feich. ’S tric a dh’innis do ghniomhara, Nach robh crionachd ’n ad rùn, ’S tu thug feairt air an diomh’nas [TD 31] A bh’aig crioch luchd na’n dùn, Chuireadh buileachadh t-fhabhair, Urrad fhailt ann do ghnuis, ’Sa bhiodh aig na fir ghionaich, Anam cuir sgillean ri crùn. Cha dean mo mholadh na’s aird thu, ’S cha’n eil thu ’n trasa na fheum, ’Sgaoil do bhuadhan am pàilteas, ’S cha’n eil thu ’n aire chuir an ceill, Ach ’n’air their mi ’n dàn brònachs’ Do dhoine mor’ air do dheigh, Mur bi leithid ri inns’ orr, Cha bheag an aoir e dhoibh fein. Gheibhar cron dha do sgaoilteachd, O nach do chaomhuinn thu ’n còrr, Leis an fhear tha na ghlutair, ’Gu deanadh uipinn de dh’ or, Dh’iaras fois thoirt d’a anam, ’N’air chi e mar ris na’s leoir, ’Se neach sin fein ris an canar, Le Dia “an tamadan mor.” [TD 32] Seallaibh Eachdraidh a Bhiobuil, Chum na criche o thos, ’S ge nach faigh sibh olc a bha ’n aoruibh Na ’m fior eàcorach mor’, Nach robh starruinean miomhara Ann sna Criosduighean còir? Ach an crion pheaca biosdail, Cha d’fhaod e riamh bhi san t-seors. Ge math eolas na firinn, Ni moran bruidhin gun stuaim; Ach soilleir comhara ’n deagh chriosduigh, Dha’n nòs bhi gniomhach gun fhuaim. Seallaidh Athair na caomhachd Air fear na daonachd-gun ghruaim; ’Nuair a their se ri crionan, Bitheas gu siorruidh dol uam. Gaol do Dhia, ’s dha do nàbuidh, Suim na’n aithn’tean gu leir, ’S their a mhuintir gun chrabhadh. Gu’m bheil an nadurs’ da’n reir, Ach iads’ tha beartach gun charthan Rius’ a tharlas na fheum, [TD 33] Tha na scrioptuir ’g an Sàradh O luchd na damh ri Dia fein. Labhraidh buidhean gun chreideamh, Le moran glaigeais na’n ceann, Ach ’n’air a thig iad gu cleachda, Cha’n fhaigh thu ’m facail ach fann, An teis meadhain am pailteais. Mar san airc, bithidh siad gann, ’San uair a’s toirmneich am farum; Gur corp gun anam a tann. Abram athair na’n creidmhach, O ’s e gun teagamh a bh’ann, Dhiult e beartas Ri Shodom, Ge bu math a choir air san am, Bhiath e Ainglibh gu fhios da, Le blàs, a’s iochd nach robh gann, Cia mar a’s dana le Fionaig; A radh gur aon e dhe chlann. ’S tusa tharruing gu timail O chleachda dhaoine, ’sam beus; Gu’n robh caitheamh ’san anbharr [TD 34] Na ni a d’fhalbhadh gun fheum; ’S uidhir bheartais ’s a d’fhag thu, Ga roinn aig cach as do dheigh; Ach bha thu cunntadh do dhaontachd, Mar stoc a shaor thu dhuit fein. Na’m biodh gionach a’d’ nadur, Com’ nach deanadh tu torr Leis na thogadh de mhàl duit, ’S le do phension de chorr, Nuair a thàradh tu’m meall sin, ’S ann leat a b’annsa gu mor Iomhaidh Dhe air bochd aoidhail, Na iomhaidh ’n Ri air an òr. Cha b’ionunn alt air ’n robh gaol duit, ’S do chuid de dhaoine tha beo, A bhitheas luchd masguil ag sèideadh, ’N’air ni iad eàcoir, na còir, Air eagal an uilc tha na’n nadur, O’n tha iad namhdail gu tòir, Na bhi ’g earbsa o’n lamhan, A maith nach dean iad le ’n deoin. [TD 35] Bha daoine ard’ dhe do Shinsir An cliu, ’san inntinn, san ceill, Bha ’g an guilan mar righrean. A thaobh an intleachdan fein, Cha d’thainig duine dhiu ’n aird riut Ann am blas ri luchd feum, ’S-usa dhùrachd, na earbsa Gu’n tig na’s fearr an do dheigh. ’S tric le Filidhean dhaoine Tighinn air an fhirinn ro theann, Ach stearc againn an aireamh A sheasas t’aite dhuinn san am, Ach o nach eil mi m’ fhior fhaighe, ’Se neach a b’ fhearr leam thighinn ann, Fear am buadhan ni t-fhagail, ’Sa dheanadh breugach mo rann. [TD 36] MARBH-RANN, le Rob Donn, do Iain Mac Eachainn, duin’uasal a thug barrachd air moran ann ’sgach deagh ghniomh. Iain mhic Eachainn a dheug thu, Cait an teid sinn a d’fhaotuinn Neach a sheasas na d’ionad An rathad tionail, na sgaoilidh, ’Sni tha cinnt gur beart chunairt, Gu’n dean duine th’ aig aois e, ’Sge do thaoghte o’n àl òg e, ’Stearc beo fear a chi e. Dearbh cha b’ionann dha d’bheathsa, ’Sda fhir tha fathast a caomhnadh, A chruinnich airgiod, a’s fearunn, Bhitheas buidhean eile a’ sgaoileadh, Bhitheas fein air an gearradh, Gun ghuth an cairid ’gan caoineadh, ’S air nach rig dad de mholadh, Ach, “Seall sibh ’m fearann a dhaor iad.” [TD 37] Tha iad laghail gu literail, Ach na ’n deibhtearan geura, Tha siad paigheadh gu moltach, Na bhitheas ac air a cheill, Ach an còrr theid a thasgaidh, ’Sge cruaidh a cheiltinn o ’n fheili, Bithidh an sporan, ’san suilean, Ceart co duint’ air an fheumach. Leis an leth onair riataichs’ Tha na ciadan dhiu ’g aomadh, Leis am fearr bhi fudh fhiachan. Fad aig Dia, na aig daoine, Thig fudh chall air nach beir iad, ’Se ceann mu dheireadh an diteadh, C’uim’ nach tug sibh da bhochdan. Am biadh, an deoch, as an taodach. Ach o tha cuid a ni fachaint Air a neach a bhitheas fialaidh, ’Se mo bharail gur achd e Bu coir an athchuing’ fo iaraidh, Gu mu luath thig an timsin. Am bi chuid a’ sin’ aguinn ciallach, [TD 38] Nach dean iobairt de bhith-bhuan, An cionn trifichid bliadhna. Sibhse tha ’n laithibh, ’s an comas, Mu ’s aill leibh alla bhitheas fiughail, ’So an uair mu nar coinneamh Am faod sibh greimachadh dlu ris, Tha sibh ’n còrag a bhàis sin, A thug an t armunns’ da’n ùir uainn, Glacadh gach fear aguibh oifigs’, ’Smo lamh gu’n coisinn i cliu dhuibh. Fhir nach d’ith mìr le taitneas, Na’m b’eol duit acrach san tsaoghal, Fhir a chitheadh am feumnach. Gun an eigh aig a chluinntinn, B’fhearr leat punnd de do chuid uat, Na ùnsa cudthrom air t-inntinn, Thilg thu t aran air na h-uisgibh, ’Sgeibh do shliochd iomafilt’ e. ’S ioma duine gun socair, A chuir thu ’n stoc le do dheilig, Agus bàgh ghille gòrach Thionail eòlas ’gad’ eisteachd, [TD 39] Dearbh cha’n aithne dhamh aon neach Mach o umaidhean spreidhach, Gun an aigneibh fudh cuidthrom, Airson do chuid, na do cheille. Ged tha iomadaigh sluaigh, na ’N culaidh thruais chionn ’s nach beo thu, ’Sge he ’n call ata ’n uachdar; Chi mi buannachd na’n òlach, O na thaisbean dhomh ’m bliadhna Ioma biatachd nach b’eol domh, Mar na reannagaibh riaghailteach An deighs’ na ghrian a dhol fudh orr. Ach nam b’urra mi, dhuraigin Do chliu chuir an ordugh, Ann an litirean, soilleir Air chór ’s gu’m beir na daoin’ og air, ’S gu’m bi t iomradh co-feumail Do’n fhear a theid air do roidean, ’S a bha do chuid ’mfeadh ’s bu mhairthean Do’n neach bu ghain’ ann an stòras. Chi mi’n taimbeartach uasal Dol mu’n cuairt, ’se fudh airtneal; [TD 40] Dh’easbhuidh airgid na phocaid, Do’n tigh osda dol feachad, Chi mi bhaintreabh bhochd deurach, Chi mi ’n deircearch làn acrais, Chi mi ’n dilleachdan dearg ruisgt’, A’s e falbh ann sna ragaibh. Chi mi ’n ceolear gun mhisnich, Call a ghiftibh chean cleachdaidh, Chi mi ’m feumnach chean comhairle, Call a ghnothaich, ’sa thapaichd, Na’m biodh miann orm fhiaraich, Ciod e ’s ciall do’n mhor acain s’, Their iad uile gu leir rium “Och! nach deug Iain Mac-Eachainn.” ’Stric le marbh-rannaibh moltach, A thas a’ cantuinn sna duthachaibhs’, Gu ’m bi coimeasg de mhasgul, Teachd a steach annt na bhruchdaibh, Ach ged’ bhithinns’ air mo mhionnan Da’n Ti tha conbhail na ’n Duilean, Cha do luaidh mi mu’n duines’, Ach buaidh a chunnaic mo shuil air. [TD 41] Am BRUADAR, le Rob Donn. Air fonn,—“La Sinbhal Sleibhe dhomh.” CHUNNAIC mise bruadar, Fhir nach cual e, thig, a’s cluinn, Mu’s brionglaid e cuir cásga air ’Smu tha neart ann bi ga shèinn, Shaoil mi fein gu’m facadh mí Am freasdal, ’s e air bèinn, Gach ni, a’s neach na amharc aig, A’s e coimhead os an cinn. Chunnaic mi gach seors’an sin A’tighinn na’n crothaibh cruinn, Na ’m b’ fhior dhomh gu robh mòran diu, A b’eol domh ri mo linn, Ach co labhair an tòs ris, Ach na daoine posd’ air Straing, ’Sa cheud fhear a thuirt facall dìu Cruaidh chásaid air a mhnaoi. [TD 42] Labhair glagair airid ris, ’Stu leig mo namhaid s’ leam, ’N’air fhuair mi ghobach ardanach, Nach óbadh cnàmhan rium, ’Se ’s caint an taobh na leapa dhi. An uair a’s pailt’ an rúm, Gu cealgach, feargach, drochmheineach. San droch uair teann a nunn. Their i ris gu anmeinneach, ’N’air dh’eir’eas fearg na sroin, Gu’m b’olc mi ann an argumuint, ’S nach b’fhearr mi thogail sgeoil, Cha b’ionann duit ’s do ch’ainm e ud ’S deagh Sheanachaidh e ’s tigh òsd, O! ’s buidh’ dha’n te thug dhathigh e B’e fein am fleasgach còir. ’N’ air chlósas mis’ag smuainteachadh Gach truaigh a thug mo shàr, Their i sgeigail bèumach rium Gur ro mhath dh’ eisdinn sgeul, A’s their i ris ’n’air labh’ras mi Gu’n canadh clann na b’fhearr, [TD 43] Aon ghniomh, na caint cha chinnich leam, Nach di-moil i le beul. Thuirt i gu ’m b’ èudach fud, ’S gu’n robh e breugach meallt’ A’s thug i airs’ mar b’ abhaist dhi Nach canadh a bheul-sa drant, Tha ’n adharc scórach eiti Ach o ’s eigean di bhi ann, O! ciod e ’n t-aite an càire dhi Bhi fàs, na air a cheann. Thuirt fear ’dhé ’n aireamh ud Bu tàbhachdaich a bh’ann, A Fhreasdail rinn thu fabhar rium Am pairt, ’n’air thug thu clann; Ged thug thu bean mar mhàthair dhoibh Nach dean gach darna h am, Ach na h uile gniomh a’s tarsuin’ Mu ’se thachaireas na ceann. Fhreagair Freasdal reasanach, ’Se ’s feumail’ dhuit bhi stuam, ’S a liuthad la dh’ eisd mi riut, [TD 44] A’s tu na d’ eigean chruaidh; Mu’n do chumadh leine dhuit, Bha ’n ceile so riut fuaighte. ’Sciod iad a nis na fautan? Mu am b’ aill leat a cuir uat. Nach bochd dhomh ’n ’air thig Strainseiran, Bhitheas ceolar, cainteach, binn, ’N’air ’smath leam a bhi fialaidh riu, ’Sann bhitheas i fiata rium. ’N’air dh’òlas mi gu cùirrail lea, ’S e gheibh mi cùl a cinn, Bithidh mise dhoibh na ’m bhrèugadair, ’S mi ’g radh gu’m bheil i tinn. Cha tamh i m baile dithreabh, ’Scha toil lea gaoth na ’m beann; An taite mosach fàsachail, Am bheil an cràbhadh gann. Ged chuir mi lamh ri Eaglais i, Cha ’n fhada d’fhanas ann. An t aite dona tàbhairneach, ’San sluagh cuir neul na ceann. [TD 45] Sin ’n’air thuirt Freasdal ris, ’S e thig do neach ni chòir, A bhi ni’s dluit’ ri dleasdanas, Mar ’s truim’ a chrois ga leòn. Ged shaoileadh tu gu ’maithte dhuit Na pheacaich thu gu hòg, Cha’n fhear gun chromadh crann-chuir thu, Fhads’ bhitheas a cham-chomdhails’ beo. Cha’n fhac thu fein o rugadh tu Aon cheum de m’ obairs’ fiar, Ged chunnaic mi mur chleachdadh tu Do Dhrachdan, a’s do chiall; Ge h ioma tric gu beartas, Bh’air an ditheadh steach a’ d’ chliabh, Nach faic tha gur aon aifin diot, A chum air ais sud riamh. Aidmhich fein an fhirinn, Agus chi thu fein mur bha, A mheud ’sa ghabh mi shaothair ri. Gus a caoch’ladh ni b’fhearr; D’fheuch bochdas, agus beartas ri, A’s easlaint, agus slaint; [TD 46] Thainig mi co fagasg dhi, ’S a bagradh leis a bhas. ’N’air a d’fheuch mi bochdas di, ’San ortsa chuir i’m faut. Cha mho rinn an t socair i, Ni b’ fhosgaraich ri càch. Le easlaint ’nuair a bhuin mi ri, San frionasach a d’fhas; An t slainte uam cha’n aidmhich i, ’S cha chreid i nam am bàs. Co sin a chithinn tighinn, A bhruidhin ris gu teann, Ach duine bha cruaidh chasaid, Air a mhnaoi bu ghasd’ a bh’ ann. ’S e radh, ’nuair theid mi ’n taic ri, ’Se bhitheas oir’ gart, a’s greann, ’N’air their mi chaint as dealaidh ri, Gu ’n cuir i cár na ceann. Gur e trian mo dhitidh oir’ Nach bi i faoilidh rium, Ni i sgeig, a’s cneid orm, [TD 47] Gun ghaire tighinn a cuim, ’N’air bhitheas sinn ’nar ’n aonaran, Bithidh caint, sa h aogas trom, Ach ’n’air thig na fir gu foirmail, Gheibh sin òl, as cuirm, as fonn. A Fhreasdail rinn thu Searbhachd dhomh, ’San orm a chuir thu chuing, Ge b’ eol duit gun d’ ruidh m’ aimsir, ’Smo mheanman air a chlaoidh, B’ fhuras dhuit sna bliadhnaibh ud Mo riarach le mnaoi Bhitheadh umhal cairdeach, rianail domh, ’Snach iaradh fear a chaoidh. Cha do ghabh am Freasdal Rìs a chásaid ud ach mall, Air fios da gur e lapachas Na dhleasdanas a bh’ ann, Ars’ eas’, cha mhor an tàilgheas Do ’n mhnaoi tharlas aig fear fann; Ged fhaigh i cead bhi gàireachdaich Ri càch gach darna h am. [TD 48] Ach d’fhaotuinn-sa do phòsadh Ris an t-seors’a tha thu ’g radh; Ach b’aon ann an ciad diu Bheireadh riarachadh dhuit raidh: An te de’n nadur neonach sin, ’S nach tuibhradh pòg gu brath, Aon dram, na deoch cha’n òlar lea, ’S cha deonaich i do chàch. Air an dara dùsal domh, An deigh dusgadh as mo shuain, Chunnaic mi na daoine sin Ag sgaoileadh mach mu ’n cuairt, ’S na h-uile bean, bha pusda riu, Ag dol na ’n dùnaibh suas: Ach ’s aonar as an fhichid diu Bha buidheach leis na fhuair. Labhair aon bhean iunnsaicht’ dhiu Bu mhó rum na càch, Am biadh, an deoch, ’san aodaichean Cha’n fhaod mi bhi na’s sathaicht’; Ach gu m’ fhagail trom neo-fhunntach, Cha’n eol domh puinc a’s doch’, [TD 49] Na gealltanas mo thoileachadh Gun a cho lionadh gu brath. An duine sin tha mar rium, Tha sior ghearan air mo shunnt; Dhearbhainn fhein air fhiacaill, Ged nach d ’iar mi, nach do dhiult. Bithidh moran diu mi-reasanta, ’N’air gheibh thu ’n sgeul gu ghrunnt. Tha dùil ac gu ’n gluais mireag riu, An spiorad nach eil annt. ’S neonach leam an trasa, Rud tha abhaisteach le fir phosd’, Their gu ladarn, dana, Nach do thoirmisg aithne pog. Ge mor an difir beusan, Th’ eadar eacoir, agus coir; Cha’neol domh aite seasamh Gun chás air aon, de dho. Chunnaic mi san aite sin Ni abartach gu leoir, A’s shaoil mi gu’m bu reasan e [TD 50] O’n tigeadh eudach mor; Ciod a bh’ann ach fear gun chomas ’G iaraidh comunn te gun choir, ’S bha fior dhroch bheachd aig ceud dé, ’S a bhean fein ga chuir ann spors. Chuireadh e neul nam’ eanchainns’ Bhi ’g ainmeachadh le caint, A’ mheud ’s a bh’ann de argumuint, ’S de chomunn gearrta, grand, Bha na ceudan pearsa ’n sud Na ’n seasamh ann san ranc, ’S bha casaidean aig moran diu, Mu’n aon fhear bha toirt taing. [TD 51] ORAN na’n Suirighean, le Rob-Donn. See the Air in Mr Mac-Donald’s Collection of Highland Airs, pages 17, 112. FHEARA og’ leis a’ miannach posadh Nach eil na sgeoil-so ’g ar fagail trom; A’chuid a’s diamhair tha cuir an lìn diu, Cha’n eil an trian de ag righeachd fuinn; A’chuid a’s faigh’reachail air an oighreachds’, O’m bheil am prise ag dol air chall, Mur choirean laidir cuir maille air pairti Tha barail chairdean, a’s gradh gun bhonn. Tha fear ag suirigh an diugh air irbhinn, Gun bharail iomrail nach dean e turn; Bha i uair a’s bu chumha buairidh, A’ghuth da cluais, a’s a dhreach da suil. An sean ghaol cinnteach a bh’aig ar sinsir, Nach d’fhuair cead imtheachd air feadh na duthach; Nach glan a dhearbh i gu ’n deach a mharbhadh, ’Nuair ni i bargan ’n’air thig fear ùr. [TD 52] ’S ioma caoch’ladh thig air an t saoghal, ’S cha chan an fhirinn nach eil e crosd; Na h uile maighdean a ni, na rinn e, Tha seamhachd inntinn an cunnart am feasd. An duine treabhach, mur eil e spreidheach, A’ dh’ aindeoin eud tha i fein ’g a chasg; ’S le comhairl’ ghòraich a h athar dhòluim ’G a deanadh deònach le toic, ’s le trosg. O’n tha ’n gaol ac air fàs mar Fhaoilleach, Na bitheadh stri agaibh ri bhi posd’; A seamhachd inntinn cha ’n eil thu cinnteach Re fad aon oiche gu teachd an lò. An te a phairticheadh riut a cairdeas, Ged tha i ’g radh sud le caint a beoil, O cheann seachduin thig caoch’ladh fleasgaich, ’S cha’n fhaigh thu facal di re do bheo. Ach ’s mor an nàire a bhi ’g an sàrach, O’n tha pairt diu de ’n inntinn stòild, Mach o pharantan, agus chairdean, Bhi milleadh ghraidh sin tha fàs gu h og; Mur toir i aicheadh do’n fhear a’s fearr lea, Ged robh sin craiteachail dhi re beo, [TD 53] Ni h athair feargach a beatha searbh dhi, ’Sgur fearr leis marbh i na faicinn pòsd’, Faodaidh reasan a bhi gu treigeadh An fhir a’s beusaich’ a theid na thriall; Ged tha e cairdeach, mur eil e pàgach, Fud! millidh pràcais na th’ air a mhiann. Tha’n duine fuairce, le barrachd stuaimeachd. Ag call a bhuannachd le te gun chiall, ’S fear eile ’g eiridh gun stic ach leine, Tha coisneadh geill di mu’n stad e srian. Mur eil stuaimeachd ag coisneadh gruagaich, Och! ciod i bhuaidh air am bheil an geall? Nach mor an neonachas fear an dochais so Gun bhi cnòdach na ’s mó bònn; Fear eile sìneadh le mir’, a’s taoisneadh, Le comunn faoilteach na aigne trom, ’S ge math na tri sin gu coisneadh aontaich Cha’n eil a haon diu nach eil a’ call. Mu tha e pàgach, mu tha e sgàthach, Mu tha e nàrach, mu tha e mear, Mu tha e sanntach, mu tha e greannar, [TD 54] Mu tha e cainteach, a’s e gun chron, Mu tha e boidheach, mu tha e seolta, Mu tha e comhnard, mu tha e glan, Mu tha e diomhaoin, mu tha e gniomhach, Ud ud! cha’n fhiach e le aon diu sin. Mu tha e pàgach, tha e gun nàire, ’S mu tha e sgàthach, cha bheag a chrois, Mu tha e gaolach, tha e na chaoraich, ’S mu tha e faoilteach, tha e na throsg, Mu tha e gniomhach, their cuid cha’n fhiach e, Tha ’m fear ud crionda, ’se sud a lochd, ’S mu tha e failligeach ann an aiteachadh, Cha bhi barr aig, a’s bithidh e bochd. Cia an t aon fhear air feadh an t saoghail, A tha nis cinnteach gu ’n dean e turn, ’S nach eil a h aon de na tha mi ’g innseadh, Nach eil a dhiteadh dhuit air a chul. An duine meamnach, ’s e toimhsail, ainmail, Cha chluinn thu ainm, ach mur fhear gun diu; ’S nach faic thu fein, airson ioma reasain, Gu’n deach an spreidh os cionn ceill, a’s cliu. [TD 55] Tha fear fòs ann a dh’aindeoin dòchais, A d’fhaodas pòsadh gun mhòran chár: Na toir de chiall da gun d’ aithnich riamh urr’d, Gun d’eirich grian ann fan aird an Ear: Dean na dhuairc e, a rugadh an cuaran, Thoir baile, a’s buar dha, a’s treabhair gheal, Leig labhairt uair dha ri athair gruagaich, ’S bheir mi mo chluas duit, mur faigh e bean. [TD 56] MARBH-RANN, le Rob Donn, do Mhaistir Murcha Mac Dhonuill, Ministeir a bh’ann an Diurinnis, ann Duthaich Mhic Aoidh. ’SE do bhàs a Mhaistir Murcha, Rinn na h àitean so a dhorchadh, ’Sge do chuaidh dail na d’ Marbh-rann, Labhairidh balbhach ri cèill; Nam biodh a Chriosdachd iomlan, Cha rachadh di-chuimhn’ air t iomradh, Na do ghniomharan iomlaid, Ach leantar t’ iomchans’ gu leir. Gur e chràdh mi na m’mheanmain, Do luchd graidh, agus leanmhain, Meud do shaothair mu ’n d’ fhalbh thu, A’s lughad a luirg as do dheigh, Bheir cuid leasanaibh buadhach O bhruaich fasanan t’ uaghach, Nach tug daiseachain shuarach As na chual iad uat fein. [TD 57] Fior mhasgul chionn paighe, Na stad gealtach le gàbhadh, Bhri mo bheachds’ ann an Dànaibh ’Smi nach dean, a’s nach d’rinn, Ach na’m biodh comain, na sta dhuit, Ann a t’alla chuir os aird dhuit, Co na mis’ da’m bu càir e. ’S co b’fhear na thu thoill. Bhuidhean mholtachs’ a d’fhag sinn, Ged nach urr’ iad a chlaistinn ’S coir bhi ’g aithris am pairtean, Gun fhabhar, gu fhoill, Oir ’s buain’a chuimhn’a bheir Bardaibh Air deagh bhuadhanan naduir, Nan stoc cruinn sin a d’fhag iad, ’S constri chairdean ’ga roinn. Bha do giftean-sa laidir, Air am measgadh le grasan, Ann fa Phearsa bha aluinn, Lom làn de na cheil, An tuigs’ bu luchdmhoir’ gu gleidheadh, An toil a b’ easguidh gu mathadh, ’Sna chuile aigne co flathail, [TD 58] Fad do bheatha gu leir. Bhiodh do chomhairle an cònuidh, Le do chobhair, ’s do chònadh, Do luchd gabhail na còrach, Reir’s mur sheoladh tu fein, Dheanadh tu an taindeonach deonach, ’S’an t aineolach eolach, ’S b’e fior shonas do bheolaint. Bhi tabhairt còrr dhoibh de leirs’. Bha thu caomh ri fear feumnach, Bha thu saor ri fear reusant’, Bha thu aodananch geurach, Mur chloich, ri eacorach cruaidh, Bu tu ’n tabhairteach maoineach, Bu tu ’n labhairteach saorach, Bu tu ’n comhairleach timail, ’Scrioch a ghaoil ann ad’ fhuath. Tha e na ladarnas gàbhaidh, Bhi le h eagal ag aicheadh, Nach eil stoc aig an Ard Righ, Ni ’naird na chuaidh uainn. Ach ’s fabhar Freasdail, as iongna’ Na’n ni a’s faisge do mhiorbhuil, [TD 59] A bhearn so th’ aguinn a lionadh Gu bias miannach an t sluaigh. Leam is beag na tha d’ fhoineachd Mu na thuirt, ’s na rinn thu, ’S mu na chliu sin a thoill thu, O’n la chaill sin thu fein, Ach moran tart’raich, a’s straoilich, Airson feich, agus oighreachd, Fagaidh beartaich mar fhain e Air an cloinn as an deigh. ’Se ni ’s minig a chi mi, Dh’ aindeoin dibhuanachd tima, Gu ’m bheil gionach na’n doine Tarruing claonadh na ’n ceill, Cha ’n eil iomairt, na mòtion, Ann ’sna Freasdail so dhomhsa, Nach toir leasan nam’ cho-dhail Le sean Nòte o d’ bheul. Taitheach, faicilleach, fiamhach, Smuainteach, facallach, gniomhach, Ann do ghnothaicibh diamhair, Gun bhi diamhain aon uair, [TD 60] Chaith thu t aimsir gu saothaireach, Airson sonais na’n daoine, Cha b’e truailleachd shaoghalta, Na aon ni chuir e suas; ’N’air tha nithne taitneach Dol a mugh a chean cleachdaidh, B’e chuis fharmaid fear t fhasain, ’S cha b’e beartas, a’s uails’, Dol o’n bheatha bu seirbhe, Tre na cathan bu gairbhe, Dh’iunnsaidh Flaitheas na tairbhe, Gu buan sheilbheachadh duais. Gu’m bheil cealgaireachd chràbhaidh Air a dearbha gu gàbhaidh, Tha na ghairisean ri chlàistean, ’S ro chraiteach ri luaidh. ’Nuair a thuit thu le bàs uainn, Mar gu’m briseadh iad bràighdean, Dhuisg na h uilc sin a b’ àbhaist, A bhi an nàdur an tsluaigh, Gu’m bheil cámh aig an Ard Righ, Gu bhi gabhail na ’m pairtean, Ann sna chruthaich e gràsan, [TD 61] Thug air aghart gach buaidh, Rinn sud sinne nar fàsach, Ann san talamh s’an trasa, So bharail th’aig pairt duibh, Tric ga leughadh air t uaigh. An duine sin thigeadh suas riut Ann an guth ’san an cluasan, Cha’n fhacas, ’scha chualas; ’S e mo smuaintean nach cluinn; Ge bu bheartach do chrabhadh, Bha do mheas air gach talant. ’Stu thuigeadh na Danaibh, ’Sam fear a dheanadh na Rainn, Chuid a b’airde sa bhuaidh sin, Tha ’d air stadadh o’n uair sin, Ach tha na daiseachain shuarach, Tha mu’n cuairt duinn, a’ seinn, ’Nuair a cheilear a ghrian orr, ’Sin ’n’ air ghaireas na biastan, Cailleach-oiche agus strianach An coilltean fiaghaich, ’san glinn. [TD 62] ’Seol dhomh daoine san aimsirs’ D’fhas na’n cuideachd gle ainmail, Tighinn air nithne talmhaidh Ann an gearrbharachd gheur, Ach’ n’air thogar o’n làr iad Gus na nithne a’s airde, ’Sann a chluinneas tu pairt diu, Mur na paisdean gun cheill, Fhuair mi cár ann do rianaibhs’, Le do ghiftean bha fialaidh, Nach do dhearc mi mu’s, fior dhomh, ’Naon neach riamh ach thu fein, Cail gach cuideachd a lionadh, Leis na theireadh tu diamhain, ’S crioch do sheanachais gun iaraidh Tighinn gu diaghaidheachd threun. Bha do chuid air a sgaoileadh, Gu bhi cuideachadh dhaoine, Am feadh bha thu san t saoghal, ’Stu nach faodadh bhi paighte. Chuid bu taitneich na ’n iomchan, Cha’n eil facall mu ’n timchioll, Cha bhi ceartas mu ’n iomradh, [TD 63] Ach le irmich, na bàs. Struagh am peanas a thoill sinn Thaobh na’n cionntan a rinn sinn, Bhi sior ghearradh ar goibhlean, ’S an cuid teaghlaichean fàs. Gun cheann laidir, gun fhoineachd Co ni ’n airde na chaill sinn, Cuid de ’n cradh la ’s oiche e Nach tig t oighre na d’ aite. [TD 64] MARBH-RANN eile do Mhaistir Murcha, leis a Bhard cheudna. ’SCIANAIL ’s cianail, O! ’scianail a ta mi, An ceann na bliadhna, O! ’scianail ata mi, A Mhaistir Murcha, a’s tu air m’fhagail, ’S mairg nach d’ fhuair sinn linne, na dha dhiot. Chridhe an reasain, a bheul na tabhachd, Cheann na ceille, ’san fhoghlum chrabhaidh, Lamh gun ghanntair an am dhuit paighe, An uachdar a bhuird a ghnuis na failteachd. Chaochail iad gniomh’ra ’n’ air chioslaich am bàs thu, Ch’n eil meas am bliadhna air ciall, na air pàirtean, D’fhuasgail na biastan gu ’n riastrain gràinail, Leosan leig Dia srian o’n la fin. Tha mise na m’aonar, mur aon ann am fàsach, ’S ni gun fheum dhomh aobhar ghàire, Cuims’ ann an caint, rann, na dànaibh, Chionn ’snach eil thu ann gu ’n claistinn. [TD 65] Ach ’scaomh leam do theaghlach, ’sa chloinn fin a d’ fhag thu, ’S caomh leam na fuinn bhiodh tu seinn ann ad’ fhardaich, ’S caomh leam bhi ’g urach’ a chliu sin a bha ort, ’S caomh leam an ùir air do thaobhsa de’n Bhàghan. Rinn cuid diu bròn fa choir do bhais-sa, Ach ghabh iad sgios ann am mios na dha dhe, Cha’n eil mis’, mar iadsan, riaraicht’ co tra dhe, An ceann no bliadhna O! scianail ata mi. [TD 66] MARBH-RANN do Choinneach Sutharlan, leis a Bhard cheudna. Air fonn—“Murta Ghlinn Comhann.” ’S E do bhàs Choinnich Shutharlain, Rinn na h aitean so duthach gu leor. Gu’m bheil cuimh, agus mulad, Air gach mnaoi, agus duine dha’m b’eol. Fear gun mhearachd, gun fhoill bheairt; Fear nach dubhairt, ’s nach d’ rinn ach a choir. Bu shluagh borb sin gun bhreathanas, ’N’air a d’fhalbh thu mar sgathadh sin oirn. Ged a chuir sinn fudh dhion thu Ann an taoghais na dichuimhne le bron; Mar tha do bhodhaig ag crionadh, Tha ni ’s mo dhed’ghniomh’ra tighinn beo, Fhir bha beartach gun ardan, Fhir bha caiteach, ’sa thearuinn gu leoir, Fhir thug feairt air a chràbhadh, A’s fhir bu bhlasde na aireamh gu spòrs. [TD 67] Bu chuis fharmaid do bheusan, O ’n a b’ annas an leithid san fhonn, Bhiodh do chuisean air thoiseach, Thaobh an tsaoghail tha bhos, agus thall, Cha ’n fhacas, ’s cha chualas fear D’oifig air nach buannaicheadh tu geall; Rinn thu moran a thional, ’S do neach beo cha d’ rinn sgillinn de chall. Gu do bhàs o do thoiseach Ann do ghnas cha robh spot far’m bu leir, ’S tu bha tuigsin na’n uailsean, ’S tu bha tearnadh na tuath ann sgach feum; ’Nuair bhiodh difir na ’n cùisean, ’S tus’ a ghleidheadh gach taobh le do cheill; Cha robh geilt gu bhi caillt’ ort, ’S cha robh airc ort gu bribe dhuit fein. Fear a dh’innseadh do bheusan, ’S mor ad’fheumadh e gheire, sa chaint, ’S ioma neach bhitheas g a d’ iuntruin: ’Nam togail, a’s cuntadh a mhail. Bhiodh do thiolacan diamhair, ’S tu nach seideadh do ghniomh le do chaint, [TD 68] ’S tu nach ruidhicheadh am feumnach, ’S tu nach iaradh dhuit fein bonn de ’n taing. ’S ioma neach a bheir tairgse Gu do leantainn an airgiod, ’san spreidh, Ach an ceartas, ’san trocair, Nach toir feairt air do ròideans’ gu leir, ’S mise fein a bha eolach Gu ’n robh annadsa còrr thar coig ceud, Ann am fialaidheachd mhora, ’S gun thu ’g iaraidh na gloire dhuit fein. Fhir a theagaisgeadh ùmaidh Gun a lagbheart a rùsgadh le taunt, Ach chuireadh beagan de thùr ann Leis gach cogar a chuinneadh tu d’ cheann. Eadar dithis san tsaoghal Ann am breath cha b’fhiu leat bhi meallt; Co nach earbadh a chuis ruit, O’n bha dearbha gun chulaich thu’n sant. Mac an athar bu glic’ thu, ’S bu tu athair a mhic a rinn cliu; Na ’m biodh raoghuin o’n bhas duinn, [TD 69] Cha robh fios co d’fhagamaid de ’n triuin, ’Se rinn iomlan am bron duinn, Mu na thirimich na deoir o nar suil, Gun na lotaibh sin slán, A bhuill’ a’s goirte bhi’ n tras aguinn ùr. Ged tha daimh ann do thalla, Tha e na fhasach do shealladh mo shul Rinn thu bearn dhomh sgach comunn Ann an crabhadh, na’m follaiseach cuirte, Ged tha cuimhneacha coll’ann, ’N’air nach ar mi ort comunn ni’s mo, Bithidh mi feuchain mo chomais Gu bhi ’g iomradh air talla, ’s do chliu. [TD 70] MARBH-RANN Dhonuill Mhic aoidh, Fear Chlaisnaneach, leis a Bhard Cheudna. ’Sann o bhliadhna na tiomsa, Luidh a ghrian ann san sgìr so, An deigh dhuinn triuir a bhi dhi oirn, ’S bu chuis iarguinn a haon diu, Chuir sin iosal san dile Fear bu chiallaich, bu-mhaoinich, ’s bu chliutaich. ’S ann, &c. Bu neo-bhrosgalach dhomhsa Bhi sior acain an cònuidh Bàs na’n topaichean lòmhar’, A bha na’n propaichean còmhdhail, Chuir sin toimhsean gach còrach Mar ri corp Dho’uill mhic Dho’uill do’n uir uainn. An tuasal, iriosal, rianail, Faoilteach, furanach, fialaidh, An ceannard sonnasach, cliarach, [TD 71] Ris nach dealaicheadh sinn miannach, Thaobh ’sgu d’fhan thu co chiallach Ge do mhaireadh do bhliadhnan gu mile. Bha cùrsa fiosraich do thiomsa Fudh chliu measail gun aomadh, Do rùn iochdmhor do dhaoine, S do dhlu ghifteanan míne, Do thaobh tuigse ann am firinn, Bithidh do shliochd feadh na tìre le’n cnuasach Chuid bu tarsan na’m beusan, Na’m biodh moltachd fudh ’n ghrein annt; Chuireadh t’fhocails’an ceill e, Ni’s lugha na d’fhagadh e reasan; Cha bu tlachd leat bhi ’g eisdeachd Fear de olcas a bheumaibh le cuilbheart. Cha robh t’eachd’raidh ri fhoineachd, Bheannaich Freasdal gu saibhir, An cuid, am pearsa, ’s an cloinn thu, ’S ann sa phosadh a rinn thu, ’S thug e mach dhuit mac oighre, Tha na mhaise, sna shoilse da Dhùthaich. [TD 72] ’S dùlan focail fir dàna, A tharruingeas iomhaidh do nadair, Gach cuis shocrach ag fàs riut, Do bhuird fhosgailte phairtail, Aois a’s toimhsean nach d’ fhaillig Gun aon spot chun a bhais ann do ghiulan. Bha buaidh thaitneach no dha ort, Tha ro thearc ann sna haiteans’ Bha thu blasd an cuis ghaire, Gun phuinc dhleasdanais aicheadh, An gniomh, ’s am focail, ’san abhaist, Bha do chleachdan co chrabhach ri t’ urnuigh. Mu do choinneamh gu cinnteach, Lion thu teaghlach do mhuintir, Gu caint fhallain a chluinntin, O mhor chomas sin t inntinn, Bhithead an comain do chuimhne, Airson foillseachadh rioghachd, a’s dhuthachan. Ann an sealladh beag tioma, ’N uidhe ’s giorra na mile; Chaill sin cearthar de dhaoine; [TD 73] Ach so an Starradh do rireadh Chuir am falach ar faoilt oirn, Mar a ghealach a’s dile de bhurn oir’. Ge do liontar na bearnaibhs’ Cha bhi sian òirn ach càramh, Bithidh e diamhaoin dha ’n aireamh, Nach leig air dichuimhne na d’ fhag ìad, Ged robh an gniomhara na ’s taire, ’S an bhitheas miagh air an àlach as uire. [TD 74] MARBH-RANN, le Rob Donn, do thriuir Shean fhleasgach*. Air fonn—“La Siubhal sleibhe dhomh.” NA’N luidhe ’n so gu h iosal, Far na thiolaic sinn an triuir, Bha fallain laidir inntinneach, ’N’air dh’intrig a bhliadhn’ ùr, Cha deachadh seachad fhathast Ach deich la dhi o tùs, Ciod fhios nach tig an teachdairs’ oirn, Ni ’s braise na ar duil. * Two of these batchelors were somewhat remarkable, having been born together, brought up together, and died within a night of each other; they were buried in the same hour, in the same grave, and by the same company of men. Their whole study from their youth, was to hoard up money, and had much of it hid under the ground, which they neither had the heart to bestow upon themselves, nor on their friends; and which has never, as yet, been found. [TD 75] Am bliadhna thim bha dithis diubh Air tighinn o’n aon bhroin, Bha iad nan da chomrad O choinnich iad na ’n cloinn, Cha d’ bhris an taog an comunn ud, Ge bu chomasach dha’n roinn, Ach ghearr e snathain na beathas’ac, Gun dail ach la, a’s oich’. Aon duin’ a’s, bean o’n tamig iad Na brathairean ud a chuaidh, Bha aon bheatha thimail ac, ’S bha ’n aodach dhe ’n aon chluimh, Mu ’n aon uair a bhasaich iad, ’S bha nadair dhe ’naon bhuaidh, Chuaidh’n aon siubhal dhaoine leo, ’S chuaidh ’n sineadh an aon uaimh. Daoine nach d’ rinn briseadh iad, Gu fiosracha do chach, ’S cha mho rinn iad, aon dad, Ris an can an saoghal gras, Ach ghineadh iad, a’s rugadh iad, A’s thogadh ìad, a’s d’fhas, [TD 76] Chuaidh strac de ’n t saoghal tharais orr’, ’S fa dheireadh fhuair iad bas. Nach bheil an guth so labhrach Ris gach aon neach aguinn beo, ’S gu haraid ris na sean daoine, ’Nach d’iunnsaich an staid phosd’, Nach gabh na tha na dhleasdanas De dheasachadh, na lon, Ach caomhnadh ni gu falair dhoibh, ’S a’ falach an cuid oir. Cha chaith iad fein na rinn iad, Agus oighreachan cha dean, Ach ulaidhean uir sliabh ac, Bhitheas a’ biadhadh chon, a’s eun, Tha iad fudh’n aon diteadh, Fudh nach robh, ’s nach bi mi fein, Gur doirche t asgaidh ’n oir ac, Na ’n’air bha e ’n tos sa mheinn. Barail ghlic an ard righ, D’fhag e pairt dhe bhuidhean gann, Gu feuchainn iochd, a’s eileanachd, [TD 77] Na dream dha ’n tug e meall, Carson nach tugte porsan Dhe a storas air gach am, Do bhochdaibh ’n aon a dheonaicheadh. An corr a chuir na cheann. An deigh na rinn mi rusgadh dhuibh Tha duil agam gun lochd, ’Sa liuthad focal firineach A dhirich mi ar ’n uchd, Tha eagal orm nach eisd sibh Gu bhi feumail do na bhochd, Ni ’s mo na rinn na fleasgaich ud A sheachdain gus an nochd. [TD 78] AN DUINE SANTACH, agus an SAOGHAL a’ gearan air a cheile, le Rob Donn. ’SMI-CHOMAINEACH thusa shaoghail, ’s b’ abhaist duit, ’S olc a leanadh tu ri daoine, a leanadh riut; Am fear a cheangail streang gu teann riut leis a ghlut; ’Nair tharruing gach fear a cheann fein di, ’s eas ’a thuit. Is sibhse tha mar sin a dhaoine, ’s b’ abhaist duibh, ’S olc a leanadh sibh ri saoghal, a leanadh ribh, Ged a chuir mise sorchan fudh’ibh, ’s air gach taobh, Is sibh fein tha gabhail teicheadh, “soghraidh leibh.” O na’n gleidheadh tu mise shaoghail! bhithinn dha do reir, Oir tha na h uile ni a’s toil leam fudh na ghrein. [TD 79] C’ uim’ an leigeadh tu gu dilinn mi gu pein? ’S nach eil Flathinnis cho prisail domh riut fein. ’S ann bu coir dhuit bhi cuir t’ eolais na bu deise, Far am bheil na h uile solas na bu treise, Ged ni mise an t umaidh àrach re càr greise, ’Nuair a thogras e mis’ fhagail, leigeam leis. [TD 80] ORAN do Shir Alastair Mac-Donuill, Triath Shleibhte, le Iain Mac-Ruairi, am Piob’ air dall. BEANNACHD dhuit o’n ghabh thu ’n tam, O chrich na’n Gall gu do thìr, Duthchas tha ri slios a chuain, ’Stric a choisinn buaidh dha Righ. Do bheatha gu do thìr fein, Dheagh mhic Dhonuill na ’n seud saor, ’S ait le maithibh Innse-Gall, Do ghluasad a nall thar a Chaol. ’S ait le fearaibh an Taobh-tuath, Gu’n bhuannaich thu mur bu còir Troternis uile, a’s Sleibhte, Uist na’n eùn, a’s na ’n ròn. ’S ait le fearaibh an Taobh-deas, Gun do shuidhicheadh thu ceart gu leor. [TD 81] ’S tu shliochd na ’n Righribh o shean, Dha ’n robh miagh fanear air ceol. ’S ann domhsa b’ aithne am beus, Na ghabh rium fein diu o thus, Croinn-iubhar, a’s brataichibh sroil, Loingeas air chors’ as ros iuil. Long, a’s leoghan, as lamh-dhearg, Ga ’n cuir suas an ainm an Righ, Suaitheantas leis an eireadh neart ’Nuair thigeadh ur feachd gu tìr. Na ’n tarladh dhuibh a bhi air Leirg, Fudh mheirghe dha ’m biodh dearg, a’s bàn; Gu maiseach, faicilleach, treun Chuireadh sibh retreatair chàch. Gu h armach, armailteach, og, Neo-chearbach an toir, na ’n ruaig, ’S gach aite ’n cromadh an ceann, Bu leo na bhiodh ann, ’sa luach. [TD 82] B’ aithne dhomh Sir Seumas mòr, ’S b’ eol domh Donull a mhac, B’ eol domh Donull eile ris, A chumadh fudh chìs na sloigh ceart. B’ eol domh Donull na ’n tri Donull ’S ge b’ og e, ba mhor a chliu, Bhiodh fearaibh Alb’, agus Eirin, Ag eiridh leis ann sgach cuis. B’ eol domh Sir Seumas na rùn, T’ thairsa mhic chluitaich fhein, ’S tusa nis an seatheamh glùn, A dh’ ordaich Righ na’n Dùl na ’n deigh. Nan tuiteadh m’aois co-fad amach, ’S do mhacsa theachd air mo thìm; B’e sin domhsa an seachdamh glùn, A thainig air an Dùn ri m’ linn. ’S cha’n iongna dhomhsa a bhi crion, Agus mo chiabhag a bhi liath, ’S gach aon diu le cridhe mor Toirt dhomh airgid, a’s oir riamh. [TD 83] ’S gach aon diu ga m’ àrach cluth, Thuigeadh iad uam guth na meur, ’S tha iadsa saibhailt an diugh, Ann sa Bhrugh am bheil iad fein. ’S tha mise fuireach san àr, ’S mi cuir a bhlair, mur bha riamh; ’S mo chridhe ag osnaich na ’n deigh; Mur Oisian an deigh na ’m Fiann. Gu meal thu t’ oighreachd, ’s do chliu, Dheagh mhic Dhonuill na ’n rùn readh, ’S ged dh’ imthich uat d’ ùr bhean òg, Na biodh ortsa bròn na deigh. ’S a liuthad oigh thaitneach gun di, Tha eadar Clar-sgi, a’s Mon-ròs, ’S mu dha thaobh Orcaibh a chuain, Deas, a’s tuath, thall, ’sa bhos. Agus iad uile ort an deigh, Bheireadh dhuit iad fein, ’san cuid, Oigh thaitneach a bheoil bhinn, Na meur grinn, sa bhroinn bhuig. [TD 84] Chaill Righ Breatain, a’s bu bheùd, A leaba fhein, a’s leug a ghaoil, ’S o na tharladh sud na chár, B’ eigean da bhi seal gun mhnaoi. Mac Righ Sorca, sciath an airm, Gur e b’ ainm dha maighre borb. Chaill e Gheal-bhean mar ghrein, ’S d’ fhuirich e fein na deigh beo. Chaill Righ na h Easpailt a bhean, Ainnir gheal, nighean Righ Greig, ’S gach aon diu gabhail a nunn, Dh’imthich o Fhionn a bhean fein. O nach eil san tsaoghals’ ach ceo, Gur doigh dha bhi dul mu ’n cuairt; Bitheamaid suthach umain fein, ’S beannachd leis gach ni chaidh uainn. [TD 85] DIORMOLADH na sean Aois le Iain mac Codrum, am Bard Uisteach, Air fonn,—“The Pearl of the Irish Nation.” CHA tog mise fonn, cha’n eirich e leam, Tha m’ aigne ro throm fudh easlain’; Tha ’n cridhe tha nam chom mar chloich ’s i na deann, ’Si tuiteam le gleann, ’s cha ’n eirich; Tha ’n gaisgeach nach tiom rium a’ cogadh, ’s a’ stri, Cha ’n urra mi chaoidh bhi reidh ris; Oir is treis’ e na sinn, theid leisan ar claoidh, ’S cha teasairg aon ni fudh ’n ghrein sinn. ’S cuis thùrsa gu dearbh bhi ’g ionndrain na d’fhalbh, Ar cruthachd, ar dealbh, ’sar ’n eugasg, Ar spionna, ’sar neart, ar cumadh, ’sar dreach, Ar cúr an am gleachd’, a’s streupa: Mar a sgaoileas an ceo air aodain an fheoir. [TD 86] ’S a chaochaileas na neoil sna spèuran, Tha ’n aois a’ teachd oirn cumhach, caointeach, làn bròin, ’S neo-shaothaireach ri leon an te ud. Aois chasadach gharbh, cheann-trom, chadalach, bhalbh, Ann an ion ’s a bhi marbh gun nearta; Cha ghluais thu ach màll, agus cuaill’ ann do laimh, Dol mu’n cuairt air gach àlt, a’s fèithe; Cha chuir thu gu brath, ’s cha chumha dhuit e Geall ruidh, na snamh, na leìme, Ach fiabhras, a’s cradh ga d’ iaraidh gu bàs, Na ’s lionmhoir’ na pláigh na h-Eiphit. Aois chionail ro bhochd, ri caoidh na rug ort, Diomhrioghail gun toirt, gun spèis thu; Do luchd comuinn, a’s gaoil fudh chomhairc an aoig, Gun air comas a haon diu eirigh; D’fhalbh d’ earnais, ’s do chuid, d’ fhalbh slàinte do chuirp, Thig ort failing tuigse, a’s reasain, [TD 87] Thig dichuimhne, thig bathachd, thig diomhnaoineas dha, Thig miloinn do chairdean fein ort. Aois óghar gun bhriogh gad’ thódhar gu cill, D’fhagas bódhaig do chinn ro eìti, Aois bhódhar nach cluinn, gun toighe, gun suim; Gun chár foghaintach stri, no streupa, Aois aicideach thinn gun tácsa, gun chli. Gun ghaisge, gun spìd, gun speirid, Lan airtneal, a’s craidh gun aidmhail bhi slàn. Gun neach dha ’m bheil càs dhe d’ eigean. Aois ghreannach bhochd thruagh, ’s mease sealladh, a’s tuar, Maol sgallach gun ghruaig, gun deudaich, Roc aodaineach, chruaidh, phreasach, chraicneach, lom, fhuar, Chrubach, chrotach, gun ghluasad ceuma; Thus’a lobhair na ’n spìoc bheir na subhailcean deinn, Co san domhain le’m binn do shèise? [TD 88] Aois ghliogach gun chàil, ’s tu ’s mease na ’m bàs, ’S tu stric a rinn tràill de ’n treun fhear. Aois chiar-dhubh a bhròin, gun riamhadh, gun spòrs; Gun toil-inntinn ri ceol do eisdeachd; Rob-fhiasagach ghlas, air dhroch sheasamh chás, Leasg, sheotant, neo-ghrad gu eirigh; Cha’n fhuilig thu ’m fuachd, ’s olc an ùrr’ thu ’n càs cruaidh, ’Se do mhuinghin an tuath, ’san deirc; Cha ’n eil neach ort an tòir, nach e aidmhail am beoil Gur fada leo beo gun fheum thu. Aois uain’ a’s olc dreach, orm is suarach do theachd, Cha ’n eil tuaraisgeul ceart fudh ’n ghrein ort, Gun mhire, gun mhuirn, gun spiorad, gun sùth; Far an cruinnich na suinn cha teid thu, Aois chairtidh ’s olc greann, aois aicideach mhall, Aois phrab-shuileach dhall gun leirsin, Chás fheargach gun sùth, lan farmaid, a’s tnu, Ri fear meanmach bhitheas luthmhor gleusda. [TD 89] Ach faire! faire! dhuin’ oig, le do bharantas mor, ’Ne do bharail bhi beo ’s nach eug thu? Tha’n saoghal, ’s an fheoil, fior aontach gu leoir, Gus do chlaonadh o choir gu h eacoir, Co fad ’sa tha ’n dail thig ort teachdair o’n bhàs, Na creid idir gur faisneachd bhreig e; Bithidh do gheard ort gle chruaidh, ’S tha do namhaid mu ’n cuairt; Cha tigh crabhaidh an uamh dha’n teid thu. Cha tigh crabhaidh an uamh, ach fardach gun tuar, Far an cairich iad suas leat fein thu: Co mor ’s tha e d’ bheachd, dhe d’ stòr cha teid leat, Ach tri bordain bheag shnaighte, a’s lèine, Ach ’s e cùram as mò, dol a dh’ ionnsaidh a mhoid, Thoirt cunntas an còir, ’san ea-coir, Far nach seasamh do ni dhuit dad dhe d’ chuid fiach, ’S mor an t eagal bhi ’m priosan peine. [TD 90] ORAN, le Iain mac Thearlaich oig, Fear Inbhearsgathdail, air dha Airdegobhar fhagail, agus dol a chonuidh do Mhuile, do bhaile dha ’m b’ ainm Sorn. ’SANN leam nach eil tlachdmhor An t achd, a rinn Deorsa, Thug ar ’n airm uainn, ’sar’n aodach, Bha daonnan ’g ar còdachadh, ’Naite breacain an fheile, As mu ghleusda fìr oga, Gun ach brigis, a’s casag, Agus bata ’n ar dornaibh. Cha b’e cadal san smùraich Sna chuir mi uigh an tus m’ oige, Ach eiridh gu sunntach Air an driuchd, ’s breith air morgha, Bhiodh a choill’ air gach lamh dhomh, Cur deagh àile am’ phòraibh, ’S mi direadh na’n creachain, ’Stric a leag mi damh croic ann. [TD 91] ’San uair a thigeadh an damhbhuir’, Cha b’i chlarsach bu cheol domh, Ach buirich na ’n làn damh Ann an aird na ’m beann mora, Bhiodh ar miol-choin, ’s ar gaothair, Ag cur faothaid ann Con-ghleann, Bu tric ádh, a’s damh caprach, Mu na h ais-ridhean gorma. Chluinnte cuach ann do choille, Bu bhinn a ghoireadh an smùdan, Ag toirt teisteanais laidir. Mar bha nàdur ’gan stiuireadh; Gheibhte liath-chearc san doire, ’S bu toil leam a ciàchran, ’S a coileach mu coinneamh Air toman a’ dùrdail. Gheibhte broc ann, a’s taoghan; Capar-coille, ’s boc earba, Agus bradan gle lionmhor Air na linnteanaibh garbha, Snamh air buinne sruith fior-uisg’, ’S e gu h inntinneach, tarragheal, [TD 92] ’S gu crom-gnobach, ullamh, Leim ri cuileaig san an moch. Ach ’s e d’fhag mi mar Oisian, ’S mar choltas Mhaoi-ciarain, D’fhag mo chridhe air a dhoch’nadh, ’S mo dhòsan air liatha, Bhi gun ghiùsaich ri choiseachd, Na bhi ’m fochair an fhiaghaich, ’S gun de dh’ airm chun mo chois’neadh, Ach córcag bheag iarrain. Ann an aite an daga, A chlaidhe, ’s na sceithe, ’S a chuilbheair chaoil ghlaic, Chuireadh stad air mac eilte; Nach cluinn mi guth aca De dh’eachdraidh, na sgeulachd, Ach cuibh’lean, a’s factori, Beartan, as beurla. Gun iomradh air dualchas, Air cruadal, na tapadh, Chuir a chuibheall mu ’n cuairt di [TD 93] Cár tuathal, agus tarsan, Sliochd na ’m bodachan giugach, Bha sna dùnaibh ’g an cartadh, Seoladh ard os ar cionn-ne, O’n a thionndadh a bheart oirn. Mile marbh-phaisg ort a shaoghail, Tha thu caochlaideach, cealgach; Bha mi uair nach do shaoil mi, Teachd as eagmhais a gharbhlaich, Mis’ a chleachd bhi ’n Airdegobhar Am bu trice gleadhar bhuic earba, An diugh an Sorn oughar Air todhar a mheanbh-chruidh. [TD 94] CUMHA do Bhaintighearna mhic an Toisich, le Iain Ruadh Stiuart. For the air, see Mr Mac-Donald’s Collection of Highland Airs, pages 16, 126. CIA iad na Dè, ’s na Duilean treun, Theid leamsa ’san sgèul bhròin; Tha ghealach fos, ’s na reulta glan, ’S a ghrian fudh smál gach lò, Gach craobh, gach coill, gach bean, sgach cloinn; Dha ’m bheil na ’m broinn an deo, Gach luibh, gach feur, gach ni, sgach spreidh, Mu’n ti rinn boisge mor. Mar choinneal cheir, ’s i lasadh treun, Mar earr na grein roimh noin; Bha reul na mais’, o shiontaibh deas A nis thug frasan mòr; Oir bhris na tuinn, ’s na tobair bhuinn, ’S le mulad dhruith na neoil, ’S e lagaich sinn, ’sar’n aigne tinn, ’S gu’n do ruidh ar cinn le deòir. Mu rimhinn àilt’ na ’n ioma gràs, A choisinn gràdh an t sloigh, [TD 95] Mo bheuds’ gu brath do sgeula bàis, An taobh ud thall de ’n gheòp, Ainnir ghasd’ na ’n gorm-shuil daithte, ’S na ’n gruaidh air dhreach na ’n ròs, ’S e do chuir fudh lic a chlaoidh mo neart, ’S a d’fhag mi ’m feasd gun treoir. Do chorp geal seang mar lili bhain, ’S e ’n deighs’ a charadh an srol, Nis ata gach neach fudh chradh, ’S tu ’n ciste chlàr na’m bord, A gheug na ’m buadh, a’s ailli snuadh, Gur mis tha truagh ’snach beo, Do chuinmhn’ air chruas, ri linn na’n sluagh Gur cinnte a d’ fhuasglas deoir. Tha mac an Toisich na ’n each seang, ’S n a bratach srann mhor sròil, Gun aobhar gairdeachais, ach cràidh. M’ a ghradh ’snach eil i beo, A rimhinn shuairc a b’ ailli snuadh, O Chaisteal Uamh na ’n corn, An gallan readh o cheannard treun. An t sloinne Mheannuidh mhoir. [TD 96] ORAN CUMHAIDH, le mhnaoi fein, do dhuine uasal de Chloinn Donuill a thuit ann an Cath Raon ruairi, chuireadh ann sa bhliadhna, 1689. OCH! a’s och! gur mi ’n t Oisian Ann an coltas Mhaolciarain, Tha mo chridh air a dhoch’nadh, Mur gu’n gortaicheadh sgian e; Air mo lionadh le tùrsa; Mur furtaich thu Righ mi, Chaoidh cha bhi mi dhe fallain, O nach maithreann mo chiad fhear. Cha d’fhuair mi ’n raoir cadal Air leabaidh, a’s mi m’ aonar, Gun Sùgradh, gun mhacnas, ’S ann a chleachd mi bhi còradh Ris an tanaistear bheachdail, Bu mhor mais’, agus morchuis, Deagh mhac Raonuill o’n Chaisteal, Ceud na’n creachaibh nach beo thu. [TD 97] ’S math thig claidhe an crios dhuit Air do shlios air dheagh chàradh, Agus targaid bhreac, bhallach, Air an t slinnean neo-sgàthach, ’S air Naile dh’earbainn sud asad, ’Nam tachairt ri d’ nàmhaid, Gu ’m b’ urainn ’g an cásg’ thu, ’Nuair a ghlacadh tu ’n t àrdan. Sàr ghiomanach gunn’ thu, Dol air d’ uilean san aonach; ’Nuair a chaogadh tu ’n t suil ud, Bu neo-luthmhor mac eilte; ’Nuair a lùbadh tu ’n glun ud, Bu mhor mo dhuil as do shaothair: Bu sealbhail air driuchd thu, Moch ’nam dùsgadh na greine. Bu mhath do lamh air a bhogha Sàr fhoghainteach, laidir, Le do shaighidean gear, scaiteach, Dheanadh caitheadh gun fhailling, Mar ri glac na ’n ceann leathann, An deigh s’ an taoghadh o’n cheardaich, [TD 98] Ann an deas-lamh mo chridhes’, Dheanadh sithean gu m’ ailgheas. Na’m biodh fios air mo smaointean Aig gach mnaoi dha ’m bheil ceile, Cha duisgeadh i fharran, Am fad ’sa mhealadh i fein e, Ged fhaighin s’ de dh’ oigridh, Gus mo phòsadh na ceudan, Cha ’n fhaigh mi co cosmhail, Na co tocha ri m’ cheud-fhear. Co b’e chuireadh an umhail, Mi bhi dubhach; neo-eibhinn, Cha do thuig iad mo ghalar, ’S cha d’ aithnich iad fein e, Bean gun mhathair, gun athair, Gun fhear-taighe, gun cheile, Gun aon sòlas sa chruinne, O nach d’ fhuirich mo cheud ghradh. Bu tu ’n cearraich bha gasda, Air chairtean, ’s air thailisg, Leis an iomairt gun lasan, [TD 99] Bu ceart a bhiodh d’ aireamh, Fear beachdail, deagh aithne, Sheasadh daingean le d’ chairdean, A’s ’n ’air a bha thu ’s tigh bhinnidh Cha do dhit thu riamh an saraicht’. ’S pailt do chairdean am bheachd-sa, Tha thu d’ dhalt do Shir Seumas, Agus chunnaic a mhac sin, ’N am d’fhaicinn a’ d’ eigean, Thug thu toighe do ’n cheartas, Cha robh do thlachd ann san èacoir, ’S mor a b’ annsa leat onair, Na do sporan a chaomhnadh. Bha thu ’m blar Inbhear-lochai, ’S rinn thu còrag gu gleusd ann; Nis cha duine bha og thu, Ach cha’n eil beo neach thoirt beum dhuit; ’S na blair eil’ bha re d’ thiomsa, Cha do dhiobair thu h aon diu, Chuir thu uir iad le h onair, Ge b’ oil le luchd beurl’ e. [TD 100] Ged fhaighin an saoghal, Na th’ann de dhaoine, ’s de airneas, ’S a bhi m’ uachdaran finidh, M’ uile chinnidh, ’s mo chairdean, Cha leasaich sud m’ ácain, ’S cha chaisg e dhomh m’ amhghar, O nach beo am fear a phòs mi, Gle og a’s mi ’m phaisdean. Fhuair mi ’m fear nach a b’ fhiu mi Air thus ri am m’ oige, Ann an uails’, a’s an onair, An glaine fola, ’s am morchuis, Ann an treabhantas pearsa, Ann am macantas còraidh, Le cruadal gun taise, “Nuair a thachaireadh tu ’n còrag. Ceist na ’m bán o Chill-fhianan, Gur liontach le d’ ghradh mi, An gaol a thug mi an tus duit, Cha mhuth mi gu brath e, ’N ’air a sheall mi am’ dheighidh, [TD 101] B’e mo raoghain a d’fhag mi, Thug sud doill’ air mo fhradharc, Ghaoil nach taoghail thu ’n tàros. Sud a ghaoil mar tha mise, ’S mo chridhe briste as d’ eagmhais; Mi an deighe mo chlisgeadh, Beart bu tric leam ri fhaotuinn; Gun duil ri Seilg beinne, Na ri eireachdas frithe, Gun sùgradh, gun aiteas, Cha ghluais m’ aigne gu dilinn. Thigeadh pistol caol glas dhuit Ann an taic ri do chruachain, Agus beannan do bhreacain, Ann am pasgadh mu ’n cuairt duit; Rinn thu bun dhe do chlaidhe, ’Nuair a chaith thu do luaith riu, D’fhag fud deagh fhear mo thaighe Na luidhe ’n Raon ruairi. [TD 102] Tha mi nis air mo sgriosa, Air call mo nithe, a’s mo dhaoine, Tha mo chridhe na bhlaidhean, ’S tearc mo leithid ri fhaotuinn, Mur mhac Fhinn, a’s e aosda, Ann an deigh Cloinne-baoisge, Co truagh ’sa bha Deardir, Ann deigh a graidh thoirt do Naois. [TD 103] MARBH-RANN do’n Iarla Chatach, le Rob Donn. RUGADH mis’ ann sa gheamhradh, ’Measg na’m beanntidhean gruamach, ’S mo cheud sealladh dhe ’n t saoghal, Sneachd, a’s gaoth mu mo chluasan, O’n chaidh m’ àrach ri aghaidh Tìr na deighe; gu tuathail, Rinn mi luathaireach tuiteam, ’S rinn mo chuisleanan fuarach. Chrioch mi sgur dhe na Dànaibh; Chionn mo thalant bhi geilleadh, Ach nach fuiligeadh mo nadur, Dhomh bhi m’ thamh air an abhars; Ceannard teaghlaich Dhuin-robin, Na luidhe ’n Abaid Dhuineidin, Gun aon fhocall aig filidh Deant’ na Shiorrachd fein da. Ann sa chaisteal a chianamh, ’S an rum diota na teaghlaich, [TD 104] Chunnacas iomhaigh na coigear, Bha na mor dhaoine treabhach, Am fear mu dheireadh bha beo dhiu, ’S a b’eol dhomh mus d’eug e, Fhuair mi dhealbh aig mo leath-taobh Na sheasamh am breacan am feile. Bha dealbh eile gu h uasal Air a chuir suas aig a deas-laimh, ’S ann leamsa nach neonach, Sluagh bhi brònach an Catamh, O na chaill iad an lànain, Bha mìn, morghalach, maiseach, Iarl Uilleam an coirneal, ’S a cheile og Mari Macsuell. ’N ’air chaidh ’n cupull so cheangal, Bu tearc an samhailt an Albain, ’S fheadh ’sa thamh iad san fhearanns’, Cha b’fhearr dhiu barail na dhearbh iad, ’S dlu a ghleidh iad na boidean, Feadh ’s bu bheo gus ’m bu mharbh iad, Le goal seasmhach a phòsaidh, ’S ann ceart co-luath a d’fhalbh iad. [TD 105] Ged bu bhoidheach ri fhaicinn, Dealbh na ’m pearsan san rum ud, Dhearcadh inntinnean gniomhach, Dealbh bu sgiamhaich’ ri chuntadh, ’Sgià na ’n ainglibh ag clapadh, ’S iad ’g an glacadh d’an iunnsaidh, Suil gach anaim gu deurach Ris na speuran ’g an iuntruin. Ged tha naigheachd ud brònach, Cha ’n eil e neonach mur dheirich, O ’s e ’m breitheamh a chruthaich iad, Thug gu cumhachdach eigheamh orr’; Ged a gheallta dhoibh saoghal, ’S gach aon staid aoibhneach fudh ’n ghrein, Aon uair cha b’ urr’ iad an gleidheadh. O’n dh’eigh’ na Flaitheas dhoibh fein orr’. Gu’n robh ’n ciad Mhorear Uilleam, Na dhuine ceanalta, meagh’rach, Morear Uilleam a dha dhiu, Ghleidh e chairdean, a’s oighreachd Ach se Uilleam an tritheamh, A dhol a tiom a dh’ aon bhoisgeadh, [TD 106] Rinn na briseadhan so ùrachadh, Dha na duthachan a chaill e. Sud an teaghlach bha ordail, Gheibhte mor gun bhi uaibhreach, Sud an teaghlach bha ceolar, Gheibhte ’g ol gun bhi buaireant, Sud an teaghlach dha ’m b’ abhaist, A bhi na ’n tabhairn aig uaislibh, Sior leasach an fhearainn Gun bhonn gearain aig tuath orr’. Sud an teaghlach dha ’m buinneadh, Cliu b’aineamh ri innseadh, Chumadh ’n uailse gu statail, ’Sa bhiodh bla ris na h islean, ’S nach do thog ann san eacoir, Bonn le h eigean dhe h aon diu, Bha gach cór aca ag cinneach, Mach o dhiomhuanachd dhaoine. Bha mi comhardach na’n armunn Ri deagh amhuinn bha feumail, An deigh an teallach a bhathudh, [TD 107] ’S gun bhi lathair ann ach èabhul, Ach tha mi fathast an earbsa, Am beagan aimsir an deigh so, Gu’m bi ’n t sradag ud Beti Na teine lasarach eibhinn. ’Nuair a bha thu nad’ leanabh, A’s tu ann uireasbhuidh aimsir, Dh’intruig fabhar, a’s fortan, Gu cuir casg’ air d’ luchd ainmein, Bha do Thuitearan tapaidh, ’S cabhair Freasdail ’gan leanamhain, Chaill do naimhdean am barail, ’S ghleidh thu d’ fhearann, a’s d’ ainman. Bithidh mi dunadh na dàn-so, O tha i ard airson m’ inntinn, Le aon athchuinge do’n oigh-so, D’fhuireach beo mar aon chuimhne, Tha mi ’g earba ri Freasdal, ’S a righ gu’m faic, a’s gu ’n cluinn mi, Thu bhi posda ri gaisgeach, Leanas cleachdan do shinnsir. [TD 108] ORAN do Lochiall a tha lathair, le Gilleaspuig Donallach am bard Uisteach, Air fonn, Tweedside. O THAINIG mi dhuthaich Lochiall, Cha robh iad rium spiocach, na bochd, Fhuair mi uil’ iad na ’n comunn gun ghiomh, Lan fialaichd, gun chrìne, gun sprochd, Muintir ghasda dha ’n duchas deagh ainm, Buidhean shealbhach fudh’n airm air gach cnoc, Bha sud ann an duchas duibh riamh, ’S mor cliuiteach am bliadhn’ ar ceann stoc. Dhonuill òig, o na fhuair thu do chòir. Lean am biuthas bu nòs, a’s cha ’n olc, Bi gu furanach, farasda, fòil, Ris na daoine nach deonaich do lochd, Ni eirigh gu d’ chuideachadh suas, Na ’m faiceadh iad tuasaid teachd ort, Rachadh ullamh gu rusgadh na ’n lann, ’S iad chaisgeadh an namhaid le toirt. [TD 109] ’S tu ’n gasan, tha eireachdail ard, ’S tu macant’ gun ardan, gun mhoit, ’S tu ’n curaidh gun ghaise, gun fhiamh, ’S tu ’n gallan d’fhas sgiamhach le toirt, Gu deas direach o d’ mhullach gu d’ bhonn, ’S deagh spiorad neo throm an do chorp, Aghaidh shoilleir tha seirc ann do ghnuis, Suil smiorail an diunlaoich fudh d’ roisg. Aghaidh shuilbhear a’s taitneiche sunadh, Aghaidh fhlathail, neo-ghruamach nach tais, Aghaidh smachdail am bheil buirb’, agus cruas, Mu nithear do ghluasad gu brais; Tha thu siobhalt’, lan iochd, agus truais, Tha thu measail air sluagh ann sgach staid, Sàr cheannard na’n gaisgeach bheir buaidh, Thog thu suas iad gu cruadal gle mhoch. Sàr cheannard san duit-sa bu dual, Bhi gu fuasgailteach, cruadalach, glic, Fhir a ghineadh, ’sa bhuaineadh o’n dream, Fhuair urram sna streupan gu tric, Buidhean fhuilteach nach geilleadh san stri, Buidhean chunnbhalach, intleachdach, chlis, [TD 110] Buidhean aigeantach, luthmhor gun fhoill, Buidhean uabh’rach le sgoinn a ghleidh meas. Cha ’n e sochan an sholaich an sonn, Ach an tabhall d’ fhas ’trom ann san lios, Dh’aindeoin doineanan faoillich, na mairt, Cha chrion i, cha searg, a’s cha bhris; ’S ann a bhitheas i fudh dhuilleach a ghna, ’S i cinntinn gu h ard le mor theas, Fudh a sgaile bithidh fasga, a’s bias, Aig gach geig, bhitheas ag arach deagh mheas. Cha chraobh mhosgain, na chrionaich a th’ann, Ach an cuileann ’sgach am a bhitheas gorm, Cha ghais sneachda, na gliobhaid an crann, Na flichne, na geamhradh, na stoirm, Slat dhe’n fhion fhuil dha ’n dligheach bhi ann, ’S a thainig gun ghanntar le foirm, Cha bhi Camronaich tuille gun cheann, ’S ann a philleas an campar gu toirm. Cha’n iongna leam idir an uaill, Deigh’s na fhuair iad de chruas, a’s de chlaoidh, Ri iargan na’n gaisgeach bha uath, [TD 111] B’ fhearr alla, a’s luadh ann san t saoghal, ’Nuair bha iad air fogradh, ’s air chall, ’S an cuid fearainn san am sin dha’n dith, Gus an tainig reachd rioghail an àigh, Chuir dhathigh gach àrmunn gu thìr. ’Nuair a theid Achnacaraidh air doigh, ’S a ni Donull ann còmhnuidh le sith, Thig cleachdan a shinsireachd beo, ’S freag’raidh creagan na mòintich do ’n phiob; Bithidh toil-inntinn aig d’ uaislean, a’s spòrs, Theid mighean air fògradh, a’s sgios, Bithidh fudar ga losgadh gu leoir, ’S damh chroic air an leònadh san fhrith. Gu meal thu nis d’ fhearan, a’s d’inbhe, Gach urram, gach briogh, a’s gach àgh, ’S do phosadh ri maighdean dheas ghrinn Dha’m bi’ maise le aoidh, a’s le gradh, Dha’m bi’ gliocas le fiosrach, ’s le ceill, Dha’m bi’ cairdean bhitheas treun an deagh ainm, Dha’m bi’ urram gach subhailc, a’s beùs, Dha’m bi foghlum le cèutaidh gun mheang. [TD 112] Leat a dh’ eireas do chinnidh nach gann, Gach meanglan gu ceannsgalach cruaidh, ’Nuair a thogar do bhratach ri crann, Chithear darach san am ga chuir suas, Bithidh gach treun-fhear, ’sgach fuiribi gun mheang Gu tartrach, neo-fhann, dol na ’n gluas’d, Neal frioghail ro ghuineach na ’n deann, Grad tharruing na ’n lann as an truaill. Thig Gleann-aibheais a stuirt, a’s a ceo, Thig Calldaird gu stroiceach le fhuirt, Thig an teaghlach dha’m buineadh an t Sron, Ni iad rèubadh, a’s leònadh air chuirp, Leiter-fhiunllaidh, ’s Loch-airceag gu dian, Gleann-laoigh nach eil fiamhach san troid, Thig Ceann-loch leat, Lòchaidh, ’s Lochiall, ’S thig o Shuaineard gun ghiomh hugad cús. ’S ioma cairid tha agad mu ’n cuairt, A deas, a’s a tuath, thig gu d’ fheachd, ’S leat na Caimbeulaich cinnteach gu leoir, Tha do cheangal ri ’n cleith, ’s bithidh iad leat, Loch na ’n Eala dhuit dileas gu leoir, Teaghlach faramach, crodha, ’m bheil neart, [TD 113] ’S am Barrabreac cha diobair thu beo, Bithidh e seasmhach an cònuidh le neart. Bha Clann donuill co-aontach dhuit riamh, ’S ann ad’ chomunn a dh’ iaradh iad stad; ’S gach làraich ’nam tagraidh, na stri, Bhiodh an claidhe gu dìleas cuir leat, ’S gach aon tha dhe Stiuartaich beo, Bithidh iadsan gu deònach na d’ thaic, Cha’n eil finneadh feagh Alba ’m bheil buaidh Nach eil Camaronaich fuaight’ riu gu beachd. Tha do chairdeas ri iomadach dream, Nach eol domh san am thoirt a steach, Ged bu mhiann leam do leantainn san rann, Tha m’ fhiosracha gann air do neart, Le fin ni mi t’fhagail san am, Ann an urram, an gradh, a’s am meas, Le guidhe deagh chliu, agus slaint, Bhi ga d’ leantainn mar chairdean am feasd. [TD 114] ORAN le Maistir Iain Mac-Ghilleain da Leannan. THA tamal o sguir mi de ’n dàn, Ge h i so aimsir am b’fhearr fheum, ’S diomhain a leig mi mo chù, Seal mu ’n chuir mi uigh san t seilg. Ann tùs m’ aimsir bha mi baoth, Mar a ghaoth air feadh na’n spèur, Cosg’ mo laithean air bheagan stà, ’S gur soilleir cuìd de bhla’ orm fein. A nis o thuig mi m’ eacoir mhor, Cliu, a’s gloir do dh’aon mhac De; Tha mo rùn feadh a bhitheas mi beo, Nach dean mi spòrs de ghloir gun fheum. Ri diomhanas thug mi boid, A chaoidh da m’ dheoin cha dean mi breug, Ach labh’ram gun bharrachd, gun bhosd, Air rimhinn og an or-fhuilt reidh. [TD 115] ’S ioma laigs’ a tha san fheoil, Feadh a bhitheas sinn beo sa chrè, ’S mas ann de ’n ghnè sin an gradh, Gur lionta làn dhe tha mi fein. Ach ’se mo bharail, fudh bhreath chaich, Gur laghail gradh gùn bheùd, Mur a saoilin sud sgach uair, Gu ’n deanain strì ga bhuain e fhreamh. Seal mu’n d’fhas thu ach gu h òg, ’Stu d’ fhaillean beag, boìdheach, readh, Be barail gach aon dha ’m b’ eol thu, Nach bu chnò thu bhar bun geig. ’S ioma buaidh ri mealladh graidh, Tha eadar a braghad, sa suil, Suil mhiogach, mhi-chuiseach, bhoidheach, Mheallach, mhòdhar, mar dhearc fudh dhriuchd. Gle gheal a braghad, ’sa bós, Gle gheal a càs, a’s a deùd, Gle gheal a cneas, tha sliom urair, Mar am flùr na ’n cánach sleibh. [TD 116] Fionngheal a falt air a ceann, Mar dhreach airgid nan glan teud, Fionngheal a mala chaol, cham, Fionngheal a h ainm, ’s a mall rosg reidh. Beul mìn dearg, meachair, mar an ròs, O’n tig gloir gu socair, reidh, ’S mò mo mhiann air do phoig, Na air na bheil de dh’or fudh ’n ghrein. A d’ ailleachd ge dearbha mi ’S mò mo mhiann air do bhèus, Thu ceanalta, ciuin, ceillidh, uasal, Sulta, suairce, socair, seimh. Ach ailleachd ged tha ort mar bhuaidh, ’S dreach snuaidh ge nach coimeas cach, Na deansa uaill e sgeimh na hoige, Mar bharr feoir, a’s diombuain’ blath. Bheir mios de dh’ easlainte ’nuas, An snuadh, a’s dreach mhoire fàs, Dreach aluinn deilbh gach duil, Iompar gu ùir leis a bhàs. [TD 117] Cuimhnich do Chruith-fhear shuas ’S cuir uigh gu h iomlan na ghràs, ’S gu’m be do ghliocas, ’s do chiall, A riar a dheanamh do ghnà. ’S lionmhor laoch tha ort an toir, Sud na sgeoil, nach binn leam fein, Cuid dhiu tha camadh nan sroin, ’S cuid dhiu tha’m beoil mar sin fein. Ach si m’ iompaidhs’ dhuits’ a ghraidh, ’S mar as aill leat dean di feum, Na leig cron, na ainnimh do dhail, ’S gur coimhlionta a d’ fhas thu fein. ’S aithne dhomh-sa cuid de ’n phairt, Chaidh na ’n gradh dhuit ceum air chul, Ach mise fhuaras far an d’fhag, ’S cha do chaochail dail mo run. Ach ’s teann nach dearbhain duit mo gradh, Beag na b’ fhearr na iad gu leir, Air meud an sàr fhocail mhora, Mo gheall nach pòs iad thu gun spreidh. [TD 118] So m’ iompaidh-sa dhuit ’s gach uair, ’S ge be gheibh ort buaidh de ’n phairt, Innis dhomh-sa là d’ eugaidh, Feuch ni m’ iompaidh fein a’s fearr. Cha’n fhas ubhlan air an dris, Na deagh mheas air coille chrin, ’S ni’n creidinn gur cridhe cruaidh, Tha fudh’n da ghruaidh a’s maisich’ sgeimh. Ach ’s moid mo dhuil am buaidh, Tha fiogh arm dha’n dual mar bheùs, Bhi ’g iathadh suas mu’n tom am fas, Gus an ruig e barr na geig. T’ainm ni aithreach leam a luaidh, ’S gur ionan do fhuaim, ’s do ghnè, Inghean Dhonuìll o Chuil nan Sonn, ’S e sud am fonn an do ghin ar freamh. So dhuits chailin na ’m buadh, Preasan de shuairceas mo bheoil, ’S toir na chomain an duais, A’s cubhaidh da d’ uaisle mhoir. [TD 119] As d’ uaisle cha chuir mi ceist, Gus a meall thu ’m feasda mi, Cha’n eagal leam dol fudh d’ iochd Mas ionan do d’ reachd, ’s do d’ mhein. [TD 120] MARI LAOGHACH. LUINNEAG. Hò mo Mhari laoghach, ’S tu mo Mhari bhinn, Hò mo Mhari laoghach, ’S tu mo Mhari ghrinn, Hò mo Mhari laoghach, ’Stu mo Mhari bhinn. Mo Mhari bhoidheach lurach, Rugadh ann ’s na Glinn. B’OG bha mis, a’s Mari ’M fasaichean Ghlinn Smeoil, ’N’ air chuir macan Bhenais Saighid gheur na m’ fheoil, Tharruing sinn gu cheile Ann an èud co beo, ’S nach robh air an t saoghal, A thug gaol co mor. [TD 121] ’Stric bha mis, a’s Mari, Falbh na’m fàsach fial, Gun smaointean air fal-bheart, Gun chail gu droch gniomh, Cupid ga nar taladh Ann an cairdeas dian, ’S barr na ’n craobh mar sgail dhuinn, ’Nuair a b’ aird’ a ghrian. Ged bu leamsa Alba A h-airgid a’s, a maoin, Cia mar bhithinn sonadh. Gun do chomunn gaoil, B’ annsa bhi ga d’ phògadh, Le deagh chòir dhomh fhein, Na ged fhaighinn stòras Na Roinn-Eorp’ gu leir. Tha do bhrollach solais Lan de shonas graidh, Uchd a’s gile sheallas, Na ’n eala air an t snamh, Tha do mhin shlios fallain, Mar chanach a chàir, [TD 122] Muineal mar an fhaoilean Fudh ’n aodain a’s ailte. Tha t’fhalt bachlach, dualach, Mu do chluais a’ fàs. Thug nadur gach buaidh dha, Thair gach gruaig a d’fhàs, Cha ’n eil dragh, na tuairgne, Na chuir suas gach là, Chás gach ciamh mu ’n cuairt dhe, ’S e na dhuail gu bharr. Tha do chailc dheud shnaighte; Mar shneachda na ’n ard, T’ anail mar an caineal, Beul o ’m bànail failt; Gruaidh air dhreach an t siris, Min rasg chinnealt, thlà, Mala chaol gun ghruaman, Gnuis gheal, ’s cuach fhalt bàn. Thug ar ’n uabhar barr Air ailgheas righrean mor; B’ iad ar leabaidh stata [TD 123] Duilleach, ’s barr an fheoir; ’Fluraichean an fhasaich Toirt dhuinn cail, a’s troir, A’s struthain ghlan na ’n arduibh Chuireadh slaint sgach pòr. Cha robh inneal ciuil, A thùradh riamh fudh ’n ghrein, A dh’ aithriseadh air choir Gach ceol bhiodh aguinn fhein, Uiseag air gach lònan, Smeorach air gach geig, Chuag a’s gug gùg aic ’M madain chùraidh Cheit. [TD 124] ORAN cumhaidh le fleasgach og. Nach truagh leat mi ’s mi ’m priosan, Mo Mhali bheag òg, Do chairdean a’ cuir binn’ orm, Mo chuid de ’n t saoghal thu, Bhean na mala mìne, ’S na ’m pògan mar na fìguis, ’S tu nach fagadh shios mi Le mi-riùn do bheòil. ’S mise bh’air mo bhuaireadh. Mo Mhali bheag òg, ’N’air thain’ an sluagh mu’n cuairt domh, Mo ribhinn ghlan ùr, ’S truagh nach ann san uair ud, A thuit an lamh o m’ ghualain Mu’n dh’ amas mi do bhualadh, Mo Mhali bheag òg. [TD 125] Gur boidhiche leam a d’fhàs thu, Mo Mhali bheag òg, Na ’n lili ann san fhàsach, Mo cheud ghradh thu, Mur aiteal geal na greine Ann am madain chiuin ag eirigh, Be sud do dhreach, a’s t àogas, Mo Mhali bheag òg. ’S mise a thug an gaol Do mo Mhali bhig oig. Nach dealaich rium san t saoghal, Mo nighean bhoideach thu, Tha t’fhalt air dhreach nan teudan, Do ghruaidhean mar an caoran, Do shuilean flathail, aobhach, ’S do bheul labh’radh ciuin. Shiubhlain leat an saoghal, Mo Mhali bheag òg, Co fad’ a’s cùl na greine, A gheug a’s ailli gnuis, Ruidhin, agus leumain, Mur fhiagh air bharr na ’n sleibhtean, [TD 126] Air ghaol ’s gu’m bithinn reidh ’s tu, Mo Mhali bheag òg. ’S truagh a rinn do chàirdean, Mo Mhali bheag òg, ’N’ air thoirmisg iad mo ghradh dhomh, Mo chuid dhe ’n t saoghal thu, Nan tugadh iad do lamh dhomh, Cha bhithinn ann san àm so Fudh bhinne airson graidh dhuit, Mo Mhali bheag òg. Ged’ bheirte mi o’n bhàs so, Mo Mhali bheag òg, Cha ’n iaruin tuille dalach, Mo cheud ghradh, ’s mo rùn, B’annsa ’n saoghal so fhagail Gu’m faicinn t’aodan ghradhach, Gun chuimhn bhi air an là sin, ’S na d’fhag mi thu ciuirt’. [TD 127] ORAN gaoil le Seumas Shaw, Bard Thighearna Loch nan Eala. LUINNEAG. BITHIDH fonn orra daonnan, ’S bithidh aoidh orra ’n conuidh, ’S e d’ fhagadh m’inntinn aobhach Bhi faicinn t’aodain bhoidhich, Aig a mheud ’sa thug mi ghaol duit, A’s eatromachd na h-oige, Mur a dean mi t’fhaotuinn, Cha’n fhad,’ a ghaoil, a’s beo mi. Chunnaic mise bruadair, D’fhag luaimneach ’n raoir mi, Bhi faicinn mo ghaoil, bhi Ri m’ thaobh fad’ na h-oiche, Mi thiondadh le sòlas, Gus pòg thoirt do’n mhaighdean, An duil gu ’n robh i lamh rium, Ge b’ abhaist domh bhi m’ aonar. [TD 128] ’S ge do bha mi m’shuain, Gur luath rinn mi dusgadh, An duil gu n robh mo thasgaidh, Na cadal air mo chul-thaobh, ’Nuair shin mi mo lamh, gus Mo ghradh tharruing dlu rium, Cha robh ann ach sgaile, Agus d’fhag e mi ’m’ dhuisgeadh. Ach marbh-phaisg air a ghaol, Gur claoidhteach a ni e, ’S iomad neach tha ’n càs ann, ’S gu dearbh tha mi fhein ann, Tha mo chridh’ air searg ann, A’s d’fhalbh mo thoil-inntinn, ’S mi m’ shuidhe ’m bun na h-uchdaich, ’S nach urra mi na direadh. Mo dùrachd do’n rimhinn, D’fhag m’inntinn-sa craiteach; Bean t’ aogais cha leir dhomh Air feill, na lath Sàbaid, Do bheusan tha ceutach, A’s t’aodan ro nàrach, [TD 129] Ach ’s truagh mis’ thug gaol duit, ’S nach faod mi suidh lamh-riut. Troigh chruinn am broig fhocair, Nach dochainn am feornan, Fudh d’ chalpan geal, liontach, Le siod’ air an còmhdach; Corp seang, a’s math giulan, Nach lùbadh le gòraich, Le cichean lionta, corrach. Air brollach geal na h-oighe. Do dheud gheal màr ibhridh, Do bheul o milse pògan, Do ghruaidh mar an caoran, ’S do thaobh mar an neonan, D’fhalt dualach, donn, cuachach; Mu d’ghuaillibh, an ordugh, Suil ghorm, a’s glain’ lionadh, Fudh mhala mhìn na boidhiche. O ’s tur a tha mi claoidhte! A ghaoil le do bhoidhichid, A’s sòlas leam bhi bruidhin ort, [TD 130] Gach aite an suidh mi m’ aonar, Cha teid mi gu damhsa, Tigh bainnse, na posaidh, ’S nach faigh mi m’ inntinn socrach, Le smaointean ortsa ’n cònuidh. O furtaich air mo chàs-sa! A ghraidh bán an t-saoghail, Tuig mar tha mo nadur, An sàs aig do ghaol-sa, Na fag mì, mar tha mi, Dol bàs leis an fhaoineachd, ’S gur tu steigh mo riaghailt; Mo bhiadh, agus m’ aodach. ’S muladach mi daonnan, Do ghaol linn mo leonadh, D’fhalbh mo dhreach, a’s m’ aogas, A’s chaochail mo shòlas, Cha’n eil aite an teid mi, Nach saoil mi le gòraich, Gu’m bheil mi faicinn t’ aodan, A’s aoidh orra ’n cònuidh. [TD 131] Chuala tu mar tha mi Gur bàs domh as t’ eugmhais, Tionda ann am blàs rium, ’S na fag aig an aog mi, Thig a’s thoir do lamh dhomh, Do ghradh, a’s do choimhneas, ’S cha’n iar mi tuill’ a chairdeais Na shaibhreais an t-saoghail sa. [TD 132] DUANAG da Mac an t-Saoir a Ghlinne-nogh, leis Bhard cheudna. LUINNEAG. Fear-dubh, fear-dubh, fear-dubh, fear-dubh, Fear-dubh, fear-dubh, ’se liath-ghlas, Fear-dubh, fear-dubh, ’sa chridhe gheal, Le Spiorad glan gun iargain. THOIR beannachdan le dùrachd uam, Gabh cùram, ’s na dean di-chuimhne, A’s giulain iad a dh’ionnsaidh ’n fhir, A’s deise, grinne briatharan. Na’m b’aithne dhomh-sa seanachas ort, Na leanamhainn air do fhriamhaich, Gu molainn thu gu dichiollach, ’S air m’ fhacal b’fhiach dhomh dhianamh. ’S tu ceann na teaghlaich onarich, A bha ’n Gleann-nogh riamh fibh, ’S gu ’m meal thu fein an stoile sin, ’S do dheagh mhac oighre a liathadh. [TD 133] Cha’n aithne dhomh ’s na criochan so, (’S cha mhis’ a theid ga d’fhiachain) Aon duine a chumas seanachas riut, ’S gun chearb bhi tighinn o d’ bhial air. Cha smaoinich iad, ’s cha’n urradh ann Aon duine chunnaic riamh thu, Co deis ’s a thig na facail ort, ’S nach fhad’ theid thu gu’n iaraidh. ’Nuair a thain’ an t-Olla Saghsanach, Thoirt maslaidh ’n aird an Iar so, Gur tusa thill gu h-ullamh e, ’S tu b’ urrainn dhol gu dhianamh. Gur luinneagach am bail’ agad Le ath-ghairm nan liath chreag, Ag freag’radh do na smeoraichean Gu milis, ceolar, tiamhaidh. Gu siubhlach, sùghar, freagarach, Gun stad, gun sgread, gun sgriachan, ’Sa mhoch-thra’, ’nuair a dhuisgeas tu, Air madain chiuin, ’sa ghrian ann. [TD 134] ’Nuair dhireadh tu na Lairicean Led’ ghunn’ ad’ lamh, ’s le d’ mhiol-choin, Gu’n leigte feigh san fhireach leat, ’S do ghillean bhiodh toirt bhian diu. Ach ’s eigean domh so innseadh dhuit. ’S o ’s fior e, na gabh mi-thlachd, O’n thionn thu ris a chipearachd Gun leig thu cheaird s’ air di-chuimhne. Nam bithinns’ ann sa chùirt a nis, ’S gach cùis a bhi gum’ riaghladh, Bhiodh Cruachan le chuid Leitirchean A’ tighinn a stigh fudh d’ chriochan. Be sud an rud bha nadurra, ’S tha cinnte aig each gu ’m b’fhior e, ’S o’n leig sibh uaibh le goraich e, Bu choir dhuit bhi ga iaraidh. Ach sguiridh mis’ dhe’n Iomarbhaidh, ’S nach buin dhomh bhi ga dianamh Gun fhios nach gabh iad ardan rium Am fineadh * dh’araich riamh mi. * The Campbells. [TD 135] ORAN gaoil do mhaighdean araid LUINNEAG. NIGHEAN donn na buaile Dha’m bheil an gluasad farasda, Gu’n tug mi gaol co buan duit, ’S nach gluais e air an Earach so; Mheall thu mi led’ shùgradh, Led’ bhriodal, a’s le d’ chiuine, A’s lub thu mi mar fhiuran, ’S cha dùchas domh bhi fallain uai. Do chul donn, daite an ordugh, Gu bachlach, boidheach, camagach, T’aghaidh fhlathail, comhnard, Mar ite ’n eoin do mhalaichean, Da shuil chorrach, mhiogach, Rosg glan a’ conbhail dion orr’, Do ghruaidhean meachair, mìne, Do phòg mar fhiogaish mheanganan. [TD 136] Mar reul a measg an t-sluaigh thu, Nam gluasad a chum tionalaidh, Cha tugadh Bhenus buaidh ort, ’S ard thug do shnuadh-sa barrachd orr’, Chite am fion ag dealradh, Ann am dol sios tred’ bhraghad, Gur math thig siode ’n càramh Mu mhuineal bàn na h ainnire. Do sheang chorp fallain, suntach, Nach do chiur an an-shocair, ’Nuair rachadh tu air urlar, Bu luthar ann sna cáraibh thu, Le calpanan deas, boidheach, Cruinn, cumadail, neo lodail, Troigh chruinn am broig comhnaird, Nach toir air feornan cárachadh. Do bheul o’m binn thig orain, Ceol, agus ceileirean, Gur binne leam do chòra. Na smeorach air na meanganan; O’n chuir mi ’n tus ort eolas, Gun tug mi gaol co mor duit, [TD 137] ’S mar faigh mi thu ri phosadh, Gu’n cuir do bhròn fudh ’n talamh mi. Na’m b’e ’s gu’m biodh tu deonach, ’S gu’m posamaid an ath-ghaoirid, Cha’n iarainn leat de stòras, Ach còmhdacha na banaraich, Ge bu leamsa an Roin-Eorpa, ’S America le mhor shluagh, Na’m faighean dhomh fein coir ort, Bu leat gach stòr, ’s gach fearann diu. Ghaoil na creid droch sgeul orm, Ged’ robh luchd bhreug a labhairt riut, Tha m’inntinnsa co reidh dhuit, ’S nach bi aon sèud ann an fhios duit, Ged’ their iad riut le boilich, Gur beag leo mo chuid stòrais, A chaoidh cha chùram loin duit, A’s righ cuir seol air aran duinn. [TD 138] ORAN do Sheonaid Achatriachadain. LUINNEAG. Failu o ro ho, O ho i o ho ro, Failu o ro hè. ’NUAIR thainig mi Ghleann a Comhann Bha gach gnothach romham reidh. Fhuair mi sealladh air an rimhinn, ’S gloine lì ’s a’s siobhailt bèus. Com a’s cruinne, bian a’s gile, Meur a’s grinne ri cuir grèis. Cùl mar dhìthean, dèud mar dhìsne, Beul a’s milse o’n tig sgeul. Gnuis na tlachda, muinte macant’, Suil mar dhearcaig air a gheig. [TD 139] Stolda, ciallach, làn do riaghailt, Módhail, dianadach gu feum. Uasal, seochdail, mar bu chòir dhi, ’S i gun phròis, gun leòm, gun leùd. Iochdmhor, bàighail, caoimhnail, càirdail, Gun ghne dh’ardan chuir an cèill. Corp seang fallain, mar an canach, Cridhe geal, ’se glan o bheùd. ’S tearc ri fhaicinn samh’la pearsa, Fiamh na maise air a crè. Aodan ùrghlan, anail chùraidh, Inntinn shuntach, nach trom gleus. Troigh a’s cuimir’ am broig chumhain, ’S a’s boidhiche siubhal theid air feùr. Calpa bàn, nach b’abhaist fhaicinn, ’Se gu lionta, reachd-mhor, reidh. [TD 140] Righ gu’m faic mi thu aig oig-fhear, Dha’m bi stòras, agus spreidh. Dha’m bi fearann, agus daoine, Cridhe faoilidh, ’s taogha gnè. Laoch meanmnach, laidir, calma, Ghleidheas buaidh le armaibh geur. Sliochd, a’s aiteas, ’s moran beartais, A bhi agaibh, ’s beannachd Dhe. Gradh na’n daoine bhi oirbh daonnan, Fad ar saoghail gus an eug. [TD 141] A GAELIC Translation of the Dialogue between Horace and Lydia. “Donec gratus eram tibi.” Hor. AM fad ’s a bha tlachd agad annam, ’S nach b’fhearr leat fear eile na mi, ’S nach faigheadh e pog o d’ bheul milis, Bha mise co sonadh ri righ. Lyd. Am fad ’s nach robh agad aon leannan, A chuireadh tu ’n coimeas rium fein, Bha mis’ ann am miagh, ’san onair, Co sonadh ri bean, tha fudh ’n ghrein Hor. Tha mise san am so fudh ghlasaibh, Ag an rimhinn a’s blasda guth beoil, ’S cha diultainn am bàs aig a h-altair, Air ghaol a’s gu mairtheadh i beo. [TD 142] Lyd. ’S ionann sin, ’s mar tha mis’ air mo losgadh, Air son fleasgaich a nochd dhomh a ghaol, Mo chridh’ bheirinn suas aig a chosaibh, Na’n saoilinn a choisneadh o’n aog. Hor. Ciod e na ’n tilleadh an gaol sin, ’S ar ceangal ri cheile le gradh, Gu’n deanainn s’ mo chaileag a threigeadh, ’S gu ’n gabhadh tu fein mi air laimh. Lyd. Ged’ tha e co boidheach ri reulta, ’S tusa feargach, co eatrom ri gaoith, Lear bu mhian leam mo bheatha san t-saoghal, ’S cha’n obainn dol eug leat a ghaoil. [TD 143] ORAN molaidh do mhaighdean uasail. LUINNEAG. Mo nighean dubh, d’fhas boidheach dubh, Mo nighean dubh, na treig mi, Ged’ theireadh cach gu ’m bheil thu dubh, ’S co geal sa’n gruth leam fhein thu. MOCH la Coille ann sa mhadain, Air mo leabaidh, ’s mi gun eiridh, Gu’m facas oigh an taice rium, ’S a gnuis mar dhealt air gheugan. Cha’n urra mi gun labhairt ort, Gus do mhaise a leughadh, Di-donaich dol do’n Chlachain, Beann do dhreach cha leir dhomh. Thig stocain geal, a’s guisead dhearg ann, Mu do chalpa gle gheal, [TD 144] Brogan barr-chumhann, ’s bucail airgid, Oigh air dhealbh na grein thu! Do chom meanbh-gheal mar thonn gailbheach, Air fonn gaineamhaich ag eiridh, Mar tharr-geal bric iasg na fairge, Tha do dhealbh, a’s t’eugas. Do shlios fallain mar shneachd bheannaibh, Thig o smál nan speùran Mar fhaoileaig mara ri la gailshion Air chuan mara ’geiridh. ’S math thig gùn san fhasan duit, Co math sa tha ’n Duneidin, Mu d’ mheadhon caol ga theannacha, ’S a chamhanaich ’s tu geiridh. Thig brat siode chosdas guinea Mu do chichean gle gheal, ’S e d’fhag m’ inntinn sa fudh mhi-ghean Nach d’fhaod mi bhi reidh riut. Thig plasg omair air t’uchd boidheach, Ann an ordugh gle mhath, [TD 145] ’S e gaol do phoìge rinn mo leòn, ’S a d’ fhag mi beo gun speirid. Do shuilean mar na dearcagan, Do ghruaidh air dhreach a chaorain, Cùl do chinn air dhreach an fhithich, ’S e rùn mo chridhe fein thu. Suil chorrach ghorm fudh d’ chaoil mhala O’n tig an sealladh eibhinn, Mar dhealt camhanaich san Earach, ’S mar dhriuchd meala cheitein. Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaithte An ceangal sguaib air m’ Eachdaig Gur boidheach e mu d’ chluasan, ’S cha mhease ’n cuailean breid e. Cha dean mi tuille molaidh ort, ’S tu mo raogha ceile, ’S an ort tha ’n cul faineagach, Mar sud, ’s am braghad gle gheal. [TD 146] ’S olc a rinn do chairdean orm, ’S gu’n d’ rinn iad pairt ort fein de, ’N uair chuir iad as an Duthaich thu, ’S mi ’n duil gu’n deanain feum dhuit. ’S ged nach deanain fidhealaireachd, Gu ’n deanain sgriobhadh, ’s leughadh, ’S air Naile dheanain searmain duit, Nach talachadh neach fudh n’ ghrein oir. [TD 147] ORAN gaoil le Donull Mac-Aonais, a bha ann an Uist a Chinn a Tuath, d’a leannan. LUINNEAG. Mo nighean bhuidh bhàn nach falbhadh tu leam, Mo nighean bhuidh bhàn nach falbhadh tu leam, Mo nighean bhuidh bhàn nach falbhadh tu leam, ’S gu’n ceannaichin gùn de ’n t-siode dhuit. Nighean bhàn th’air cnoc a mhurain, Dha’n tug mi mo ghaol o’n uraidh, B’ fhearr leam fein na òr na Cruinne Chuilean thu bhi sìnte rium. ’S furas dhomhsa chuilean t’aireamh, Do chùl dualach, cuachach, faineach, Gruaidh thana, dhearg, a’s glain’ dearsa, Falt mar bhàrr nan dìthean ort. Tha thu gu ro bhoidheach taitneach, Foghainteach deas ann am pearsa, Cha ’n urra mise chiall, ’s a thasgaidh, Trian dhe d’ thlachd-sa innseadh dhuit. [TD 148] ’S màll do rosg, ’s gur glan do leirsin, Suil ghorm mar dhearcaig an t sleibhe, Mala chaol, a’s caoine, reidhe, Cha b’e bhreug ach firinn sud. Calpa bàn nach iar an gartan, Troigh shochdrach nach dochain faiche, ’S e mheudaich co mor mo thlachd dhiot, Chionn nach faicte mi-ghean ort. Beul a’s binne sheinneas orain, Milis, blasda, socair, comhnard, Gu fonnar, farasda ro dhoighail, Cha bhi scod ri inns’ orra. Anna ged nach eil mi stocail, Cha’ne ’n t-snathad mo cheard chosnaidh, Dheanain aran eorna a’s coirce Mach ris an droch shide dhuit. Mo ni thu mar tha thu labhairt, ’S gu’n cum thu rium-sa do ghealladh, So mo lamh gur mi do leannan, ’S nach bi balach sinte riut. [TD 149] ORAN le Mari nighean Alastair Ruaidh do dh’ Iain Mac Shir Tormaid Mhic Leoid, air dhi bràdh thomhaca fhaotuinn uaith. For the air, fee Mr MacDonald’s Collection of Highland Airs, pages 28, 163. LUINNEAG. Hithill uthill agus ò, Hithill ò horiunnan Hithill uthill agus ò, Hithill óhó horiunnan Hithill uthill agus ò, Hithill ò horiunnan Faillill ò hullill ò, Hò ri ghealladh ill an. GE do theid mi dom’ leabaidh Cha’n e cadal is miannach leam, Aig ro mheud na tuile, ’S mo mhuilean gun iarann air, Tha mholtair ri paidhe, [TD 150] Mur cailltear am bliadhna mi, ’S gur feumail domh faighinn, Ge do ghabhain ann ’n iasad i. Tha mo chean air a chlachlair, Rinn m’aigne-sa riarachadh. Fear mor, a bheoil mheachair, Ge tosdach, gur briatharach thu, Gu ’m faighinn air m’ fhacal Na caisteil ged iarain iad; Gheart aindeoin mo stata, Gun charaich sud fiachan orm. Ge do thuirt mi riut clachair. Air m’ fhacal cha b’fhior dhomh e, Gur rioghail do shloinneadh ’S gur soilleir ri iaraidh e, Fior Leodach ùr, gasda, Foinnidh beachdail, glic, fialaidh thu, De shliochd nam fear flathail, Bu mhath an ceann chliaranach. Ach a mhic ud Shir Tormaid, Gu’n soirbhich gach bliadhna dhuit, [TD 151] Chuir buaidh air do shliochd-sa, Agus piseach air t’iarmadan; ’S do’n chuid eile chloinn t’ athar, Ann sgach rathad a thriallas iad, Gu’n robh toradh mo dhùrachd Dol an rùn mar bu mhiannach leam. ’Nuair a theid thu do’n fhireach, ’S ro mhath chinneas am fiaghach leat, Led’ lothain chonn ghleusda Ann do dheigh ’nuair a thrialladh tu, Sin, a’s cuilbhear caol, cinnteach, Cruaidh, direach, gun fhiaradh ann; Bu tu sealgair na h eilid, A choilich, ’s na liath-chirce. Tha mo chean air an Ruairi. Gur luaimneach mud’ sgeula mi, Fior bhoinne geal suairc’ thu, Am bheil uaisle na pheacaig, Air an d’fhas an cùl dualach, ’S e na chuachagan teud bhuidh, Sin a’s urladh ghlan shuairce Cha bu tuairisgeul breugach e. [TD 152] Slan iomradh dhuit Iain, Gu mu rathail a dh’ eireas duit, ’S tu mac an deagh athar, Bha gu mathasach meaghrachail, Bha gu furbhailteach, daonairceach, Faoilteachail deirceachail, Sàr cheannard air trup thu, Na ’n cuirte leat feum orra. Gur aluinn am marcach Air each an glaic diollaid thu, ’S tu conbhail do phearsa Ann an cleachdadh, mar dh’ iarain duit, Thigeadh sud ann do laimh-sa Lann spainteach, ghorm, dhias-fhada, A’s paidhir mhath phiostal Air crios nam ball sniomhaineach. [TD 153] ORAN do Shir Eachann Ghearloch le Uilliam Rós. Air fonn, “La siubhal sleibhe dhomh.” THA m’ aigne fein ag eirigh leam, ’S cha ’n fhaod mi bhi nam’ thamh, ’S mo rùin air fad ga m’ iompachadh, ’S mo shuntachd ris air fàs; O ’n thogas fònn gu h inntinneach, Gu’n seinn mi e gun dàil, O ’n is cuspair fial ri aithris air, A charaicheadh mo chàil. Cuir ort do bhratan sòlasach, Dhail-floran mhor nan cluan, ’S biodh do gharrain ro-chrannaibh ’G an comhdachadh le h uaill, Biodh co-sheirm chruitail, cheol-bhinneach, Nan smeoraichean, ’s nan cuach, Seinn furain bhinn air gheugan da, Cuir aoibhneis ann a chluais. [TD 154] Mhic talla bitheas a’ freagradh, o Do chreagan guth nan sonn, ’S bi ’g aithris ceol na m feadanan Gu beadarach le fònn, Biodh sòlais bhuan gun aireamh Ag cuir failteachadh na d’fhonn, Air ceannard suairc nan Eachannach Cuir aiteis air le sunnt. Shir Eachainn Ruaidh nan curaidhean Bu fhraochail, guineach colg, Nam piob, nam pic, ’s nam brataichean, ’S nan dubh-lann sgaiteach, gorm, Dha ’n dualchas mor èachd ghaisgeantachd, Le tapadh air chul arm, ’S ni ’m b’ iongna leinn an dùchas sin Bhi leantain diu an ainm. ’S craobh mhullaich, dhosrach, aghmhor thu, Dhe ’n abhal, a’s airde speis, Gur dreagan ri do dhusgadh thu, Gur seobhac suilghorm, treun, Gur leoghan nach gabh muiseag thu, Na ’n cuirt’ gu d’ chuntas streup; [TD 155] Gur dìdean dha do chairdean thu, Nach teid gun spairn a leim. Sàr cheannard air sluagh curant’ thu, Leis an doirteadh fuil sa bhlàr, Bhiodh cuimhneach, ciallach, faicilleach, Neo-lapach ann san spairn, Bhiodh reubach, fuilteach, faobharach, Sa chaonaig air an namh, ’S bu treunail colg nan Eachannach Toirt éachd nan arm thar chach. Gur sealgair sithne ’n garbhlach thu, Nan ádh bu mheanmaich leim, Cuilebhear caol, neo-dhearmadach, Na d’ gheal-ghlaic gun chearb gleus, ’S d’fhearaibh luthmhor, asdarach, Gun airtneal as do dheigh, ’S bu cheol gu mìn do chaiseamachd, ’Nuair a d’fhoclaicheadh do bheul. Gur tearc ann san aois mheirgidh so Fear meanman an laoich oig, A bhuin air ais gu m’ chuimhne-sa [TD 156] Nam’ inntinn an aois òir, Bhiodh earmadh nan sonn gasda sin Mu’m pearsachan gun leon, ’S a chonbhail fhallain, threunanta, Le cleachdadh beusach, còir. Ach ’slionmhor triath nach ainmich mi, Tha ’n Albain mhor nan cliar, Sud suas le ’n or, ’s le ’n airgid iad ’M easg allmharach gun mhiagh, Mur creic iad còir an duthachanan Mu’s pill cha ’n fhiu iad trian, ’S na ’n leanadh iad do shamhladh-sa Cha d’ shloinnte an call cho miad. Ach guidheam gach buaidh fhiorghlan duit, Gun diobradh le deagh rùn, Mar bu dual o d’ aiteam dhuit, Bhithd’ cheannard pailt an cliu, Shàr mharcaich nan steud aigeantach, Nach geilleadh le lag chuis, O gu’m bu slan a chi sinn thu! Air d’ ais a ris an dlùthas. [TD 157] Gun dìth gu d’ thìr mhullaich thu, Nam frìth, ’snam fuinn ard fhial, Nam beann, nan gleann, ’snan coireachan, Na monaichean, ’snan sliabh Gu talla bàn na rioghalachd An robh do shinsir riamh, Gu priunnsail, suilbhear, maranach, Cuir sàradh ann am fion. [TD 158] BUAIDHEAN an t-samhraidh leis a Bhard cheudna. Air fonn,—“Wat ye wha I met ye’streen.” O! mosg’leamaid gu suilbhear ait Le suntachd ghasd’, a’s eireamaid, Tha mhadain-sa le furan caomh, Toirt cuiridh faoilteach, eibhinn, duinn, Cuireamaid failt’ air an lò. Le cruitean ceolmhor, teud-bhinneach, ’S bitheadh ar cridhe deacadh fuinn, ’S ar beoil ag seinn le spèirid dha. Nach cluinn thu bith-fhuaim suthain, seamh, ’S a bhruithean sgeamhail, bhlà-dhealtrach; Beannachdan a nuas o Neamh, ’S dortadh fial gu làr aca: Tha nàdur ag caoch’ladh tuair, Le caomh chruth, cuanta, pàirt-dhathach, ’S an Cruinne iomlan, mu ’n iath grian, Ag tarruing fiamhan grasail air. [TD 159] Nach cluinn thu còisir stòlda, shuairc, ’S an doir’ ud shuas le’n òranaibh, Seinn cliu dha’n Cruthaichear fein Le laoidhean cèutach, sòlasach, Air chorruibh an sciath gun tamh, Air mheangain ard’ nan rò-chrannaibh, Le’n ceileirean toirt molaidh binn, Dha’n Ti, dh’ath-phill am beothachd riu. Gu’m b’fhearr na bhi’n cadal an tamh Air leabaidh stata, chloimh-itich, Eirigh moch sa mhadain Mhai, Gu falbh nam fasach feoirneanach; Ruaig a thoirt air bharr an driuchd, Do dhoire dlù nan Smeoraichean, Am bi tùis, a’s cùraidh na fion, Le faile ciatach ròsanan. Tha feartan toirbheartach, neo-ghann, ’S an àm so gun ghreann dhubhlachdach, Cuir trusgain trom-dhaitht’ air gach raon Le dealt, ’s le braon ’gan ùrachadh; Tha Flora còmhdachadh gach cluain, Gach glaic, ’s gach bruaich le flùraichean, [TD 160] ’S bithidh noinean, ròsan, ’s lili bàn, Fudh’n dithean aluinn, chùl-mhaiseach. Tha Phebus fein, le lochran aigh, Ag oradh aird nam beanntanan, ’S a’ taomadh nuas a ghathan tlà, Cuir dreach air blàth nan gleanntanan; Gach innseag, ’s gach coirean fraoich, Ag tarruing faoilt na Bealtein air, Gach fireach, gach tulach, ’s gach tom, Le foirm cuir fuinn an t-samhraidh orr’. Tha caoin, a’s ciuin air muir, ’s air tìr, Air mach-thir mhìn, ’s air garbh-shleibhtibh, Tha cuirnean driuchd na thùir air làr, Re aird, ’s re ain’ na geala-ghreine, Bithidh coill’, a’s pòr a’s fraoch, a’s feur, Gach iasg, gach eun, ’s na h-ainbhithean, Re teachd gu’n gnàsalachd, ’s gu’n nòs, Na’n gnè, ’s na’n doigh, san aimsir so. Gur eibhinn abhachd nigheanag òg Air ghasgan feoir sna h-aonaichean, An gleanntaibh fasaich, ’s iad gu suairc [TD 161] Falbh le’m buar ga’n saodachadh, Gu h-ùrail, fallain, gun sgios, Gu maiseach, fialaidh, faoilteachail, Gu neo-chiontach, gun cheilg; a’s Gràis Na’n gaol a’ snamh na’n aodanan. Uainn gach mi-ghean, sgios, na gruaim, ’S na bitheamaid uair fudh ’n àinneartan; Crathamaid air chùl gach bròn, Le fonn, ’s le ceol, ’s le cantaireachd, ’S binn’ an tathaich sud mar chèud Na gleadhraich eitidh chàsairean, ’S mi’m pilleadh chùraidh, chùl-ghorm, fhraoich, ’S na brughaichean saor o’n camparaid. Bitheadh easlaint’ eitigeach, gun chlì, An didean riamhach sheom’raichean, Bitheadh eu-cailean gun speis, gun bhrìgh, ’N aitribh righrean, ’s mhor-uaislibh, Biodh slainte chunbhalach gach ial, Am bùthaibh fial gun stròthalachd, Aig Gail ghasda’n eididh ghearr, Fir-speisail, chairdail, rò-gheanach. [TD 162] ORAN gaoil, le Uilliam Ros. Air fonn—“Slan iomradh do’n ur mhnaoi.” CO-SHEIRM. Seinn eibhinn, seinn eibhinn, Seinn eibhinn an dàil, Seinn eibhinn, binn eibhinn, Seinn eibhinn gach là, Seinn eibhinn, binn eatrom, Seinn eibhinn do ghna, Seinn eibhinn, seinn eibhinn, Chuireadh m’ easlain gu làr. GED is socrach mo leabaidh, Cha’n e’n cadal mo mhiann, Leis an luasgans’ th’air m’aigne, O chionn fad’, agus cian; Gu ’m bheil teine na lasair, Gun dol as ann mo chliabh, Tabhairt brosnachaidh gèur dhomh, Gu bhi ’g eiridh ’sa’ triall. [TD 163] Tha mi còrr a’s tri bliadhna Air mo lionadh le gaol, ’S gach aon la dhiu stiuireadh Saighid ùr ann mo thaobh; Cia mar ’s leir dhomh ni taitneach Dh’aindeoin pailteis mo mhaoin, ’S mi as eugmhais do mhànrain, Bhiodh gun ardan rium saor. ’S e do mhànran bu mhiann leam, ’S e tighinn gun fhiabhras, gun ghruàim, Mar ri blasdachd na h-oraid, ’S e bu cheol-bhinne fuaim; Dh’eireadh m’inntinn gu h-abhachd, Ri linn bhi ’g aireamh. gach buaidh, A bha co-streupadh ri m’ leannan Bainti, farasda, suairc. ’S gur gile mo leannan Na’n eal’ air an t-snamh, Gur binn’ i na’n smeorach Am barraibh ro-chrann sa mhaidh, Gur e geanmnaidheachd a beusan, ’S i gun eacoir na càil, [TD 164] A lub mise gu geilleadh, Air bheag eigean, do gradh. Gu’m bheil maise na h-aodan, Nach faodainns’ a luadh, Tha i pailt ann an ceutaidh, ’S ann an ceill a toirt buaidh, Gun a coimeas ri fhaotuinn, Ann an speis, san taoibh-tuath; M’òg Mhìn-mhala, bhainti, Thogadh m’inntinn o ghruaim. ’S ge do bhithinn an teugmhail, Agus lèigh’ air toirt dùil, Nach biodh furtachd an dàn domh, Ach am bàs an gearr ùin’, Chuireadh eùgas mo Mhìn-mhal’ Mo mhi-ghean air chùl, Ghlacain binneas na smeoraich, A’s gheibhinn sòlas as ùr. Ge binn cuach, ’s ge binn smeorach, ’S ge binn coisir ’s gach crann, Seinn ciuil dhomh ’n coille smùdan, [TD 165] Theich mo shùgradhs’ air chall, Tha mi daonnan a’ smaointeach Air mo ghaol ann sa’ ghleann, ’S mi air tuiteam am mi-ghean, Gun a briodal bhi ann. ’Nuair a bhithinns’ ’s mo Mhìn-mhala An gleannan riamhach na Cuaich, Na ’n doire fasg’ach na smeoraich, Gabhail sòlais air chuairt; Cha mhalairtin m’eibhneas O bhi na h-eugasg cár uair, Air son stòrais fir stata, Dh’ aindeoin airdid an uaill. Ge bu righ mi air Albain, Le cuid airgid, ’s le spreidh, Be mo raoghain mo Mhìn-mhal’ Thar gach rimhinn dhomh fein, Cha bu suaimhneas gu bàs domh ’N aon aite fudh ’n ghrein, ’S mi as eugmhais do mhanrain, Gus mo thearnadh o bhèud. [TD 166] Ach mosg’leam thairis a mì-ghean, ’S cuiream dìth air mo ghruaim, Beo ni’s fhaide cha bhi mi Gun mo Mhìn-mhala shuairc. Oig mhìn beir mo shoghraidh Leat na choirean so shuas, Seinn mo rùn ann sa ghleannan, ’S tuigidh ’n cailin e uat. [TD 167] MIANN an oganaich ghaelich le Uilliam Rós. Air fonn,“We’ll go no more a roving.” THA sud do ghna air m’ inntinn, Le iompaidh, chinnteach, readh, ’S gur fada o’n bu mhiannach leam, Gu’n triallamaid dha reir; ’S a nis o nach urrain mi Ga chumail orm gu leir, Bithidh mi fadheoidh ag aideachadh Na th’ agam dhuit de speis. LUINNEAG. An sin treigeamaid am fàrsan, ’S gu ’m b’ fhearr na bhi air chuairt, Bhi maille ris a chailin sin. Le farasdachd gun ghruaim. An sin, &c. Gach aon a chi mi ’s beartaiche, Bithidh spailp orr’ as am maoin, Ach sud cha b’ urrain m’ iasgach-sa, [TD 168] Ged liathain leis an aois; Mo nadur ged bhiodh iaratach, Dh’a mhiann ’s nach tugainn taobh, Le snaim co dion cha snasaichinn, Mur glacte mi le gaol. Na ged bu shamhla an stòras mi, Ge neonach sud leibh fhein, Dha’n neach dha’n liuth’ tha’n còraichean, Tha ’m Breatain mhor gu leir; Ge soilleir inbhe’n stata sin, Cha tàladh e mi ceum, ’S air mhiltean oir cha lùbainns’, Ach an taobh dha ’m biodh mo dheidh. Gach fear dha’m bheil na smaointean so, Bithidh m’ aontach dha gu mor, Air chumha gun ghnè theugmhaileach R’a faotuinn bhi na dhoigh, Rùn-sa, ’nuair a d’fhiosruichinn, Na’m measainn bhi air chòir, Gu’m molain gun a di’obairt dha, Co fad’ sa bhiodh e beo. [TD 169] Gu ’m b’ ait leam cailin fhinealta, ’S i maiseach, fiorghlan, ciuin, Ged nach biodh ni, na airgiod aic, Ach dreach, as dealbh air thùs; Ach sud na’n tarladh aic a bhi, ‘S ga reir bhi pailt an cliu, Cha creidinn gu’m bu mhist’ i e, ’S i fein bhi glic air chùl. Cha treiginn fein a bharail sin, A dh’ain deoin ’s na their càch, Le iomluas gu bhi caochlaideach, ’S nach aontaicheadh mo chail; Gach fear biodh mar as toileach leis, Gun chóireachd uam gu bràth, ’S leanadh e gu dichiollach A bheart a chi e ’s fearr. An sin treigeamaid am farsan, &c. [TD 170] MIANN na h oighe Gaelich, leis a bhard cheudna. NA ’N tarladh dhomh sin fhaotuinn, Cha b’ eigean leam na càs, Bhi ’g iomlaid gaoil gun fhadal ris, S gu readh ga aidmhail dha; Sa dh’ aindeoin uaill a’s gorraich Nan oighean oga, bath, ’S e sud an t euchd gu dideanadh An cridheachan gu brath. LUINNEAG. Gu ’m b’ annsa na bhi m’ aonar, Mo lamh, ’s mo ghaol thoirt uam, Maraon a’s lùbadh farasda, Le oigfhear fearail, suairc. Gu’m, &c. Na’n deanadh fortan fabhar rium, ’S an dail sin chuir mu m’ choir, Le oigfhear maiseach, mileanta, [TD 171] Gun anabharr, na dìth stoir; Chuir an taobh am bitinn-sa, ’S mi fein am’ nighin oig, Gun easbhuidh seadh, na phairtean air, Cha’n aicheadhain e ach foil. B’e sud an ceile thaoghain-sa, ’S cha chladhaire neo-threun, Dha’m biodh làn nan cobhraichean Dhe’n or, ’s gun treoir dha reir, A threudan a’ tighinn thairis air, Le barrachd dhe gach seud, Cha’n fhagadh saidhbhreas sona mi, Gun toileachas na dheigh, Gu’n cumadh Ni math uamsa sud, Fear gabhaidh, cruaidh, gun chliu, Na fionag dhripail, gheur-chuiseach, Bhitheas leirsinneach le shuil, Gun tomad a measg dhaoine dhe, Gun ghean, gun fhaoilt na ghnuis, Gun fhailteachd chairdail, fhuranach, Gun uir-gioll aig as fiu. [TD 172] Ach oigfhear dreachmhor, tabhachdach, Neo-ardanach na ghnè, Bhitheas calma ’nuair as eigean da, ’S e rei-bheartach dha reir, Gun storas bhi tighinn thairis air, Gun aimbeartas gu leir, ’S e sud, na’m faighinn m’iaratas, A mhiannaichinn dhomh fein. ’S gu’m b’ annsa na bhi m’aonar, &c. [TD 173] ORAN air gaol, na Cumha Chailean, leis a bhard cheudna. ANN am madain chiuin cheitean, ’S an spreidh air an lòn, Agus cailin na buaile, Gabhail nuall ain mu’n còir; Do bhi gathanan Phebuis Cuir an ceill roimh na neoil, La buadhach, geal, eibhinn, ’S las na spèuran le ròs. Ach cha b’ e’n tain, bha’d a tional Ann san Innis sa Ghleann, So bhuin m’ aigne gu luasgan, ’S mi air chuairt an san àm, Ach an cailin bu dreachmhoir’, Mhìne mais’, agus loinn, Bh’air an tulaich na’m fochair, Gu ciuinail, foistineach, grinn. [TD 174] Shnamh mo smuaintean an iongnadh, ’S thuit mi’n caoch’ladh ro-mhor, Sheas mi, snasaicht mar iomhaigh, ’G amharc dian air an oigh; ’S ge do bhrosnaich mo dhùrachd mi Dh’eisdeachd ùrlaoigh a beoil, Stad mi ris le mùnadh, ’S dheachd mi rùn gu bhi fòil. Ach gur deacair dhomh innseadh, Leis mar dhiobhrain an caint, Dreach na fíne ud, ’sa h-ailleachd; A thug barr air gach geall; Tha slios geal-mhin mar eala, Na mar chanach nan gleann, ’Sa h-anail chùraidh mar chaineal, O beul meachair gun mheang. Bha falt camlubach, boidheach, Bachlach, òrbhuidh, na dhuail, Cas-bhuidh, sniomhanach, fàineach, An neo-chàramh mu ’n cuairt; Do bhràghad sneachdaidh, a b’fhior-ghlain’, Fudh lic bu mhìn deirge gruaidh, [TD 175] Gun intleachd bàth, ach buaidh naduir, Toirt gach barr dhuit gun uaill. Aghaidh bhainti, ghlan, mhòdhar, Bu bhinne, ròs-deirge, beul, Suil mheallach, ghorm, thairis, Caol mhala, ’s rosc readh; Uchd soluis làn sonuis, Geala bhrollach mar ghrein, ’S troigh mhin-gheal, chaoin, shocair, Nach dochuineadh am feur. Ach gu dubhar na coille, Am binne ’n goireadh a chuach, Bha ’m fochair na h-Innse, Gus an tionailt’ am buar, Gun do dh’imthich an cailin Mìn, farasda, suairc; Ghleus i guth, ’s ghabh i òran, ’S bu ro-bhinn ceol bheireadh buaidh. B’ann air gaol bha i tighinn, ’S rùn a cridhe, ’sa buaidh, Do dh’og laoch nan ciabh òr-bhuidh, [TD 176] An Letir Laomuin nan cuach, Do dhuichd uiseag, as smeorach, Am barraibh rò-chrannaibh suas, A’s sheinn co binn an co-ghleus di, ’S gun do dh’eisd mi cár uair. “O Chailean! o Chailean!” Do sheinn cailin nan gaol, “Cia fath nach tigeadh tu tharais, Do ghleannan falaich nan craobh? A’s nach iarains’ air m’ ordugh, De storas, na mhaoin, Ach bhi luidhe na d’ asgail, Fudh do bhreacan san fhraoch. Gu’m b’og mis’, agus Cailean, Ann an gleannan na cuaich, A’s sinn tional nan dithean Leinn fein feadh nan cluan, As sinn ’g ar leigeadh nar sineadh, ’Nuair bu sgi leinn air bruaich, ’S bhiodh na cruitearan sciathach Cuir ar cionalais uainn. [TD 177] Gu’m bu neo-chiontach manrain Mo ghraidh ann sa choill’, A’s sinn a’ mireadh nar ’n aonar, Gun smaointean air foill; Sinn gun mhulad, gun fhadachd, O mhadain gu h-oiche, Agus Cupid ’g ar taladh Gu toirt ghraidh, ’s sinn nar cloinn. ’S ge do thainig an samhradh, ’S mi sa ghleann so ri spreidh, Gur e ’s tric leam am fagail, ’S bithidh cach as an deigh; ’S an a dhiucas mi tharais Do na gharan leam fein, Gu bhi taomadh mo dhoscuin, Ann am fochair nan geug.” So mar sheinn an caomh chailin Tosain tairis a graidh, ’S a boid sheasmhach da ceud ghaol, A’s nach dibreadh gu brath; Gach oighe eile a chluinn so, Gu’n robh a h-inntinn gu bàs. [TD 178] Gu bhi leantuin an t-samhul’ ud, Gu’n a h-an-toil thoirt da. Ach air bhi gráthunn nam’thamh dhomh, ’S mi gun àbhachd san ròd, ’S mo chliabh air lasadh le h-eibhneas, Ag tabhairt eisdeachd da’n oigh; Chunnacas oganach gasda, Teachd o leacain a Chrò, ’S e le uil a’ sàr imtheachd ’S b’ann gu Innis na’m bò. Bha dhreach, sa dhealbh mar bu mhiannach, Le oigh iaraidh dhi fein, An tùs briseadh an rùnachd, ’S i fudh h-ùr-bhlath air fèill, Beachd a b’fhearr bu neo-fhurasd, A thabhairt tuille na dheigh, Air an oganach mhaiseach A’ teachd o leacain nan geùg. Ach suil dha’n tug an tog gasda, Bu rioghail mais’, air gach taobh, Dhearc air oigh nan ciabh cas-bhuidh, [TD 179] Siar fudh asgail nan craobh, Dheachd a chridhe le furtachd, Gu’m b’e sud cuspair a ghaoil, A’s guidh se beannachd da’n cho-dhail, Bheag am bròn doibh mar aon. A’s ann an glacaibh a cheile, Le mor speis mur ba mhiann, Ghlais an dithis ud le eibhneas, ’S an rùn readh ga’n cuir dian; ’S on bha ’m fúran co tairis, ’S nach b’fhuras aithris cho fial, Ghuidh mi sonas gun dìth dhoibh Gu lath ’n crich, a’s m triall. [TD 180] MOLADH na h-oigh Gaelich, leis a Bhard cheudna. NIGHEAN bhoidheach An òr-fhuilt bhachalaich. Nan gorm-shuil miogach, ’S na mìn bhas sneachda-gheal, Gu’n siubh’lain reithleach, A’s sleibhtean Bhreatain leat, Fudh earradh sgaoilte De dh’aodach breacain orm. ’S e sud an t-aodach Ri ’n eireadh m’aigne-sa, ’S mo nighean ghaeleach, Aluinn agam ann; O bheul na h-oiche Gu soills’ na madaine, Gu’m b’ait nar sùgradh Gun dùsal cadail oirn. [TD 181] Ged tha na baintighearnan Gallda fasanta, Thug oigh na gaelic Barr am mais’ orra, Gur ainnir shoighn i Gun scoid re dearc oire, Na h-earradh gle-mhaith De dh’ aodach breacanach. Gur foinnidh, mìleanta, Direach, dreach mhor i, ’S cha lùb am feornan Fudh broig, ’nuair shaltras i, Tha deirge, a’s gile Co-mhire gleachdanaich, Na gnuis ghil èibhinn, Rinn ceùdan airtneulach. Readh dheud còmhnard An ordugh inealta, Fudh bhilibh sàr-dhaitht’, Air bhlath bhermillian, Tha h-aghaidh nàrach Co làn de chinealtachd, [TD 182] ’S gun tug a h-aogasg Gach aon an ciomachas. Gur binne còradh Na òraid fhileanta, Tha guth ni’s ceolmhoir’ Na oigh-cheol bhinn-fhoclach, Cha luidheadh bròn oirn, Na leòn, na iomadan, Ri faighinn sgeul duinn O bheul na fine sin. ’Nuair thig a Bhealtein, ’S an Samhradh lusanach, Bithidh sinn air airidh Air aird nan uchdanan, Bithidh cruit nan gleanntaibh Gu cartair, cuirteasach, Gu tric gar dùsgadh Le sùrd gu moch-eirigh. ’S bithidh ’n crodh, ’s na caoraich San fhraoch ag inealtradh, ’S na gobh’raibh bailg-fhionn, [TD 183] Gu ball-bhreac, bior-shuileach, Bithidh ’n t àl san leimnich Gun cheill, gun chin orra, Ri gleachd, ’s ri còmhrag ’S a snòtadh bhileagan. Bithidh mise, a’s Mari Gach la sna glacagan, Nan doire geugach Nan èunan breac-iteach, Bithidh cuach, a’s smeorach, Ri ceol ’s ri caiseamachd, ’S a gabhail orain Le scornain bhlasda dhuin. [TD 184] ORAN leis a Bhard cheudna, ann am bheil e ag Moladh a leannain, agus a dhuthacha fein. LUINNEAG. E ho rò mo rùn an cailin, E horò mo rùn an cailin, Mo rùn cailin shuairc a mhànrain, Tha gach là ag tighinn fudh m’ aire. GUR e mis’ tha briste, bruite, Cia b’ e ri’n leiginn mo rùnachd, Mu ’n ainnir a’s binne sùgradh, ’S mi ri guilan a cean’ falaich. Tha mo chridhe mar na cuaintean, Mar dhuilleach nan crànn le luasgan, Na mar fhiagh an aird nam fuar-bheann, ’S mo chadal luaimneach le faire. [TD 185] Shiubhail mi fearann nan Gael, ’S earain de Bhreatain an fàrsan, ’S cha’ fhacas na bheireadh bàrr, Air Fìne bhàn nam bla-shuil meallach. Bu bhinne na smeorach Chèitein Leam do gloir, ’s tu coradh readh rium, ’S mo chliabh air lasadh le h èibhneas Tabhairt eisdeach dha d’ bheul tairis. Bu tu mo chruit, mo cheol, ’s mo thailisg, ’S mo leug phrisail, riamhach, àghmhor, Bu leigheas tèugbhail o na bhàs domh, Na ’m faodain a ghnà bhi mar-riut. Gur muladach mi, ’s mi smaointin Air cuspair mo chean’ gun chaochladh, Oigh mhìn, mhaiseach, nam bas maoth-gheal, ’S a slios caoin-tla mar an canach. Tha do dhealbh gun chearb, gun fhiaradh, Mìn-gheal, fior-ghlan, direach, lionta, ’S do nadur co seamh ’s bu mhiannach, Gu pailt, fialaidh, ceallach, banail. [TD 186] Air fhad m’ fhuirich an Duneidin, Cumail comunn ri luchd Bèurla, Bheir mi ’n t soghraidh so gun treigsin Dh’ ionnsaidh m’ eibhneis ann sna gleannaibh. Ge do tharladh dhomh bhi ’n taobh-sa, Gur beag mo thlachd dhe na Du-ghaill, ’S bithidh mi nis a’ cuir mo chuil riu, ’S a deanadh an iuil air na beannaibh. Gur eatrom mo ghleus, a’s m’ iompaidh, ’S neo-lodail mo cheum o’n fhonn so Gu tir ard’ nan sàr fhear suntach, ’S a treigsin Galltachd nam dheannamh. Dirigh mi gu Tulach Armuin, Air leth taobh Srath mìn na Lairce, ’S tearnadh mi gu Innseag bla choill ’S gheibh mi Fine bhàn gun smalan. [TD 187] ORAN molaidh do ’n Uisge bheatha, le Uilliam Rós. LUINNEAG. Hò rò gur toil leinn drama, Hò rò gur toil leinn drama, Hu horò gur toil lein drama, ’S lionmhor fear tha ’n geall air. Mo ghaol an coilgearnach spracail, D’ fhàs gu foirmail, meanmnach, maiseach, D’ fhàs gu speisail, treubhach, tapaidh, Neo-lapach san aimh-reit’. Ach treocair gu’n d’fhuair a chailleach, Bha uair-eigean ann sna Hearadh, Cha mheas ni mi do mholadh, Ge do lean mi ’m fonn aic. Thaogh i ’m fonn so, ’s sheinn i cliu dhuit, Dh’ aithnich i ’n sgoinn, a bh’ ann san druthaig, ’Nuair a bhiodh a broinn san rùpuil B’ e rùn thu bhi teann oire. [TD 188] Ach ’s tu ’m fhear briodalach sùgach, Chuireadh ar mi-ghean air chùl duinn, ’S a chuireadh teas oirn ann san dubhlachd, ’Nuair bu ghnòdh’ an geamhradh. Stuth glan na Toiseachd gun trauailleadh, Gur ioc-shlaint chòir am bheil buaidh e, ’S tu thogadh m’ inntinn gu suairceas, ’S cha b’ e druaip na Fraince. ’S tu ’n gill’ eibhinn, meanmach, boidheach, Chuireadh na cailleachan gu bòilich, Bheireadh scanachas as na h oighean, Ge ro mhor am baindeachd. Chuireadh tu uails’ ann sa bhathlaoch, Sparradh tu uaill ann san arrachd, D’ fhagadh tu co suairc fear dreamach, ’S nach biodh air’ air drandan. Cha’n eil cleireach, na pears’ Eaglais, Cràbhach, teallsanach, na sagairt, Dha nach toir thu caoch ’ladh aigne, ’S barrachd freagraidh teanga. [TD 189] Chuireadh tu truas ann san nigear, Gu bhi fuasgladh air an fheumach, D’ fhagadh tu buamasdair treubhach, Sparradh ceill san amhlair. Cha ’n eil cleasaich ann san rìoghachd, Dha ’m bu leas a dhol a stri riut, D’fhagadh tu easa na shìneadh, ’S pioban as gach ceann deth. D’fhagadh tu fear mosach fialaidh, Dheanadh tu fear tosdach briatharach, Chuireadh tu sóg air fear cianail Le d’ shoghraidhean greannar. D’fhagadh tu co slan fear bachdach, ’S e gun ich, gun oich, gun acain, ’G eiridh le sùnnt air a leth-chois, Gu spailpoil a dhamhsa. Chuireadh tu bodaich gu beadradh, ’S na cromaichean sgrogach, sgreagach, Gu eiridh gu frogail, sa cheigail, Sgeig air an t sean aois. [TD 190] Bu tu suirigheadh mo rùn-sa, Ged thuirt na mnathan nach b’fhiu thu, ’Nuair a thachaireas tu sa chùil riu, Bheir thu cùis gun taing dhiu. Bu tu cairid an fhir fhacail, Bheireadh fuasgladh dha gu tapaidh, Ged nach òl e dhiot ach cairteal, ’S blasdmhoirid a chaint e. Tha cho liutha buaidh air fàs ort, ’S gu la-luain nach faod mi ’n aireamh, Ach ’s e sgaoil do chliu sgach aite Na Baird a bhi an geall ort. Ach thogadh ort nach b’fheirde mis’ thu, Gun ghoid thu mo chuid gun fhios uam, Ach gun taing do luchd ga mheas domh, Cha chreid mise drant dheth. Ach bha mi uair, ’s bu luachmhor t’fheum dhomh, Ged nach tuig mal-shluagh gun cheill e, Dum amabam, sed quid refert, Na ghraisg, quæ amanda. [TD 191] ORAN do Mhari Thorra Chaisteil. LUINNEAG. Mhari dhonn, bhoidheach dhonn, Mhari dhonn, ’s mor mo thlachd dhiot; Thogain fonn gun bhi trom Air nighin duinn Thorra Chaisteil. GU’M bu slan do’n mhaighdin oig Tha gu stolda na cleachdaibh, Tha gu fiosrach, tairis, tla, Tha gu màranach, macanta. ’S gile nan sneachda do bhian, ’S fallain, sgiamhach do phearsa, Gun i cudthromach, na caol, Beathail, eatrom, gun ghaiseadh. ’S ann ort fein a d’fhas a’ ghruag, Tha na dualaibh gu cleachdach, Clannach, dlù, gheibh i cliu, Miann gach sùl’ bhi ’g a t’fhaicinn. [TD 192] Aghaidh fhlathasach gun sgraing, ’S e do shealtuinn tha taitneach, Suil chorrach fudh ’n mhala chaoil, Gorm air aogasg na dearcaig. ’S glan an ruidhe tha na d’ ghruaidh, Boidheach, snuadh-mhor gun ghaiseadh, Tha thu eireachdail gu leoir, Co tha beo nach gabh tlachd dhiot? ’S beinn leam ceileirean do bheoil, Gabhail orain gu taitneach; Do ghuth mar smeoraich sa choill’, ’S tu tric a’ seinn aig a Chaisteil. Bha mi greis an Deas, ’s an Tuath, A’ measg ghruaighaichean tlachd-mhor, Ach aon idir, a thug barr Ort a Mhari cha’n fhacas. Gu’m fhaic mise thu aig fear òg, Dha’m bi stòras, a’s pailteas, Spreidh, a’s fearann, agus fonn, ’S cridhe connmhor gun airceas. [TD 193] Bitheadh do thigh agad le muirn Air mo cheanns’ anns an fhasan. Mu thig mi idir na chòir, Cha’n ann beo theid mi seachad. Tha do chairdean lionmhor treun, Dheanadh feum anns na batail, Friosalaich an aird taoibh tuath, ’S math gu bualadh nan glas-lann. [TD 194] ORAN do Mhaighdean uasail, aig taobh Lochaircag. LUINNEAG. Thogainn fonn le criodhalas Air nighean a chuil cheutaich, Gu ceolar ealamh gun bhi trom, Gun togainn fonn gu h-eatrom. O thainig mi do’n bhaile so, Cha ghainne bha mi leughadh, Ach criodhalas, a’s carthanachd, A’s geanalachd a’s ceutaidh. Mo dhurachd aig a Chamaronach, An duine calma, gleusda, Toil inntinn dhuit, gu mairtheanach, Gun an-shocair gun easlain. Cha di chuimhnich mi Ealasaid, A mhaighdean bharail, bheusach, [TD 195] Tha suilbhearachd, a’s ceanaltachd, Gun mhearachd ann do chreubhaig. A’ ghnuis am bheil a bhoidh’chid, Tha gun leom air bheagan pleide Rosg mall mu’n t-suil a’s comhnaird’ Mar dhealt an fheoir sa Cheitean. Tha banalachd, tha smioralachd, An ceangal riut le ceille, Tha fiosrachadh,tha aithn’ annad, Nach dealaich riut gu’n eug thu. Cha’n eil cuid de phrois agad, Na goraich tha fudh ’n ghrein ud; Ge d’ tha smachd na h-oige ort, Gu ’n dean thu steornadh reumail. Aghaidh shoilleir, fhlathasach, Mur ghathan caomh na greine, Gruaidh chaoin air dhreach ’n rois agad, ’S do bheul a’s boidhiche deudach. [TD 196] Do mhuineal fiorghlan, taitneach, Co geal ri canach sleibhe; T’fhalt dualach air dheagh ordugh, Co boidheach ris na teudan. Beul binn a labh’ras fileanta, Gu milis, modhail, beusach, Gu’n cluinntear do ghuth ceòlmhor, Mar smeoraich air na gèugaibh. Do chom cumadail, ro cheanalta, Làn fallaineachd, gun easlain, Ceum fireachail gun Iodalachd, Tha beothail, seochdail, eatrom. ’S math thig brogan sailteach dhuit, Am fasan ard Dhuneidin, Bithidh stocain bàn, mar anart, Air a chalpa gheal a’s caoine. Tha thu tlachdmhor còraideach, ’S an cònuidh ann an reite, Gu fialaidh, ciallach, fabharach, Ri aon ann ’n càs na h-eigin. [TD 197] ’S ioma ceum a choisich mi, O Shiorrachd Rois gu h-Eirin, Cha’n fhacas na thug barrachd ann Air Ealasaid am beusaibh. B’fhearr leam fein gu ’m faicinn thu Aig duine tapaidh, treubhach, Dha’m bi òr, a’s earras, Pailteas fearainn, agus feudail. Tha cairdean anns gach ait’ agad, Nach faic ort càs, na eigin Na Camaronaich ’s na Stiuartaich ’S gach Duthaich anns an teid thu. [TD 198] LUINNEAG le duin’ uasal araid do maighdin oig. Mu reitich an nighean donn, Tha i dol a phòsadh, Hug uri hug air a chailin, Tha leannan aig Donull; Mu reitich an nigean donn, Tha i dol a phosadh. AN raoir a chuala mi’n sgeula Chuir easlain ro mhor orm. Gun deach nighean an fhuilt chraobhaich A ghlaodhach di-domhnaich. Rimhinn ghasda, ’s ro mhath cumadh O mullach gu brogan. Do chul dualach, bachlach, sniomhain, Mar dhithean an eorna. [TD 199] Gnuis a b’aillidh r’a sireadh, ’S ioma fear tha ’n toir ort. Do mhala chaol, air dheagh tharruing, Thug barrachd air mòran. ’S an dà dhearc shuil mheallaich, mhiogaich, A ghuin mi gun m’fheoraich. Da ghruaidh mheachair, mhin dhearg, aillidh, Thaladh gradh gach oig-fhir. Aile nan suth-craobh o t’ anail, Blas meal’ air do phogaibh. Deud geal snasta, snaithte, dionach, ’S am beul o’m binn thig orain. Gur a gile na’n gath grèine, A braghad gle ghlan, boidheach. Cichean turaideach, liontach, Air uchd min, geal, boidheach. [TD 200] A seang chorp fallain mar an eala, Na mar chanach mointeich. Calpa co-thromach cruinn luth mhor, ’S an troigh nach lùb am feornan. Gu’n tairneadh do shùgradh gu beadra Ceann Eaglais na Roimhe. Thug thu barrachd air an tè, Ri’n tuirteadh reul nan oighean. ’S nearachd fear a gheibh dha fein, Le nasgadh Cleire còir ort. ’S truagh nach bu mhis’ do raoghain, Mu’n do thaogh thu Donull. Ach cuiridh sinn sàradh san ealaidh O nach leannan domhs’ thu. [TD 201] ORAN do Mhnaoi uasail ann am Muile. LUINNEAG. Horuinn ó hó hiri, Hug eile hò ró hó, Ho ruinn ó hó hiri. THA mo chean air an og mhnaoi, Thainig oirne bhar linne, Gur i reula nan oighean Ann am boidhchid, ’s an grinneas. Gur i reula nan oighean Ann am boidhchid, ’s an grinneas. Slios mar shneacha ’n t-sleibhe, Ri la grein’ air a ghilid. Slios mar shneachda ’n t-sleibhe, Ri la grein’ air a ghilid. Beul a’s deirge na ’n ròs aic, Gruaidh a’s boidhiche nan t-siris. [TD 202] Beul a’s deirge na’n ròs aic, Gruaidh as boidhiche na’n t-siris. Deud geal a’s glain’ dlùthadh, Anail chùraidh ro mhilis. Deud geal a’s glain’ dlùthadh, Anail chùraidh ro mhilis. Cha mis’ a cheud oig-fhear, Rinn thu leonadh ’sa’ chridhe. Cha mis’ a cheud oig-fhear, Rinn thu leonadh ’sa’ chridhe. Le d’ iomhaidh, ’s le d’ bhèusan, ’S ioma ceud tha fudh thiomadh. Le d’ iomaidh, ’s le d’ bhèusan, ’S ioma ceud tha fudh thiomadh. ’S fearr an ceol leam do chòra, Na’n smeorach air a binnid. ’S fearr an ceol leam do chòra, Na’n smeorach air a binnid. Troigh chruinn am broig comhnaird, Nach dean feornan a mhilleadh. [TD 203] Troigh chruinn am broig comhnaird, Nach dean feornan a mhilleadh. ’S gur luthmhor i ’s t seomar, ’N am ceol thoirt o’n fhidhill. ’S gur luth mhor i ’s t-seomar, ’N am ceol thoirt o’n fhidhill. Tha mais’ ann a d’ aodain Ach ’s fheudar dhomh tilleadh. Tha mais’ ann a d’ aodain Ach ’s fheudar dhomh tilleadh. Co sheallas ’s a’ ghrein ud, Nach caill a leirsin am mionaid. Co sheallas ’s a’ ghrein ud, Nach caill a leirsin am mionaid. Tha mise gun stòras, Le gòraich mo Chinnich. Tha mise gun stòras, Le gòraich mo Chinnich. D’fhag sud mi fudh leon de, ’S ri m’ bheo mi fudh thiomadh. [TD 204] D’fhag sud mi fudh leon de, ’S ri m’ bheo mi fudh thiomadh. Nach d’fhaod mi bhi laimh riut, Le maran, ’s le mireadh. Nach d’fhaod mi bhi lamh riut, Le maran, ’s le mireadh. Cha’n eil agams’ a dhànachd, An tras’ dhol a d’ shireadh. Cha’n eil agams’ a dhànachd, An tras’ dhol a d’ shireadh. Ach na’m faighinn còir sgriobhte Air an Righeachds’ gu h-iomall. Ach na’m faighinn còir-sgriobhte, Air an Righeachds’ gu h-iomall. Gu’m bu Bhan-righ Caitrine An ùr rimhinn, a’s grinne. [TD 205] ORAN do Mhaighdin uasail araid. LUINNEAG. Hi ri ri ’s ho raill ò Raill o ho raill ò Hi ri ri ’s ho raill ò Mo nighean donn a’s boidhiche. O’N tha mi fudh mhulad air m’ aineol Ann an tìr nach faic mi cairid, Ruigidh mi nise mo leannan, D’ fheuch ’sam faigh mi còir orra. Bha mi òg am measg nan Gall, ’S thug mi treis air feadh nam beann, ’S ge lionmhor te o’n d’fhuair mi caint, ’S ann tha mi ’n geall air Moraig. Còdach cinn a’s ailli snuadh, ’S e ’n ordan nan ioma dual; [TD 206] Gus an cuir iad mi ’s an uaimh, Cha toir mi fuath do Mhoraig. Na h-orain mhilis thig o d’ bheul, ’S annsa leam na ceol nan teud, ’S binne na smeorach air geig, Na fuinn thig reidh o Mhoraig. ’Nuair chuirte ’n fhiodhall air ghleus, Dhamhsa tu gu h eatrom, reidh, Bu dlù mo bheachd air gach ceum, ’S mo chridhe leim neo chonard. ’N’air lionta ’n deoch a bhiodh bla, Mu fheasgar ’s na cupain bhàn Ged dhuisgear sgainneal le càch, Cha chluinnte cannran Moraig. Do chòra cha tog aobhar nàir Do neach sam bith, nach bi a lathair, ’S ma bhitheas a chliu ’ga shàrach, ’S cairid blà dha Morag. [TD 207] ’S cliuiteach, siobhalta do bhèus, Aigne ciuin, ’s e socair, reidh, Gur seirceil, suairce, soitheamh, reidh, Gnuis na Feile Moraig. ’S lionmhor do gibhtean o nadur D’fhas thu modhail, gniomhach, narach, ’S cha’n fhacadh mi ’n dreach, na’n ailleachd, Na bheir barr air Moraig. B’ annsa leam na òr na Spainte, Do ghnuis fhaicinn le fiamh ghaire, ’S e sud a d’ fhag bruite m’ airnean, Le trom ghradh air Moraig. Ge taitneach bhi caitheadh na feisde, Mar ri cuideachd chriodhail, eibhinn, B’ fhearr leam triall do choill’ nan geug Mar ri m’ fheudail Moraig. Ge taitneach bhi ’g amharc na grèine, Am madain dhriuchd gu ciuin ag eirigh, B’ anns leam aiteal de dh’ aodain Laoigh mo cheille Morag. [TD 208] Cha’n iongna leam thu bhi uaibhreach, ’S ioma sruthan mear mu d’ ghuaillean; Ach ’s moid mo dhuil-sa ri fuasgladh, Meud na h uailse tha d’ phoraibh. ’S na’n glacadh tu nise mo lamh, ’S gu’n leiginn malad mu làr, Ghabhain òran, ’s dheanain dàn, ’S mo lamh gu ’n tugain pòg dhuit. [TD 209] ORAN cnaidail do’n Olla Leodach, le Gilleaspuig Donullach, am Bard Uisteach. LUINNEAG. Thugaibh thugaibh bó bó bò An Doctair Leodach ’s biodag air Faicill oirbh san taobh sin thall Nach toir e ’n ceann a thiota dhibh. ’NUAIR a bha thu d’fhleasgach òg, Bu mhorchuiseach le claidheamh thu, Chaidh Ailean Muilear riut a chòrag, ’S leon e le bloidh spealaidh thu. Bha thu na do bhasbair’ còrr, ’S claidheamh mor an tarruing ort, An saighidear ’s mease th’aig Righ Deors’, Choraigheadh e Alastair. [TD 210] Bhiodh sud ort air do thaobh, Claidheamh caol sa ghliosgartaich; Cha’n eil Falcag thig o’n traigh, Nach cuir thu barr nan itean di. Biodag ’s an deach an gath seirg Air crios seilg an luidealaich; Bha seachd oirlich oire a mheirg, ’S gur mairg an rachadh bruide dhi, Bhiodag ’s mease th’anns an tìr, ’S a beart chinn ’s a’ ghliogartaich, Chnamh a faobhar leis an t suthidh, ’S cha ghear i ’n ìm na dh’ itheadh tu. Biodag, agus sgabard dearg, ’S cearbach sud air Amadan, Gearradh amhaichean nan Sgarbh, D’ fhagte marbh gun anail iad. ’Nuair a theid thu ’n chreig gu hard, Cluinnear gàir nan iseanan, ’S mu thig am Fulamair a d’ dhail, Smailidh tu do bhiodag ann. [TD 211] ’S iomad Farspag rinn thu mharbhadh, A’s Sulair garbh a rug thu air, Bhliadhna sin, mu ’n deach thu ’n arm, Chuir uibhean Sgarbh cioch shlugain ort. Cha deoch bhainne, na mheig, ’S cinteach mi rinn Ucsa dhiot; Ach biadh bu tocha leat na’n t im, Giobainean nan Gugachan. ’Nuair a theid thu air an rop’, A righ bu mhor do cudthrom air, Direadh ’s na h-iseanan a d’ sgeth, Air leam gu ’m feum thu cuideacha. Bu tu theannaicheadh an t sreang, Cha’n eil i fann mur bris thu i, Mu thig an cipean as a ghrund, Cluinntear plumb ’n’ air thuiteas tu. ’Nuair a theid thu ’n chreig gu hard, Failigidh do mheisneach thu, Cha tig na h eunlaidh a’d’ dhail, Le faile do chuid drogaichean. [TD 212] ’Nuair a theid thu ’n chreig tha shuas, Fuadaichidh tu chlisgeadh iad, Le dearsa do bhutain ruadh, ’S do bhucaill chruadhach ’sa ghliosgartaich. Cha mharbh thu urrad ri càch, Ge leathan ladair mogur thu, T’airm cha dian a bheag a sta; Mur sgriobar clàr, na praise leo. [TD 213] MARBH-RANN do MhacDhughail Dhun-ollaidh, le Donull Mac an t-Saoir ’S MOR easbhuidh Lathurn’ am bliadhna, A’ caoidh mu ’n sgial air nach tig mutha, Iain Ciar ’s a cheann gu h iosal, ’S leir do ’n tir tha dhith Mhic Dhughail. Tha smal air uaislibh do thaighe, Gun luaidh air aidhear na sùgradh, On d’ fhagadh thu ’n Cille Bhride, ’S nach dean sgal pioba do dhusgadh. Fhuair Maithean nan Gael briseadh, O’na chaidh tu ’n cisde dhuinte, ’S lughaid a chearna so uile, Nach faicear tuille san Dùn thu. ’S ioma mac a chaochail neul, Re am do ’n triath dol fudh lic, Ge minic a ghineadh a chlann, B’ ainneamh do shamhla’ na ’m measg. [TD 214] Chaochail na siontan an tra dh’ eug, Bha ’n speur ag sileadh gu tric, Chaidh toradh na coille air chall, A cnuasachd a blà ’sa meas. Bha thu truacanta ri bochd, Bha thu gu fuasgailteach glic, Tuigse naduir le sar bheachd, Fhuair thu gu saidhbhir mar ghibht. Bha thu treunmhor le deagh choltas. Mar bha Oscar anns an Fheinn, Fear fial, gun fhiaradh, gun mheatachd, Cha leir dhomh neach mar thu fein. Bha thu siobhailte ri mnaoi, Bha thu dana dliol an trod, Bha thu gu meisneachail garg, ’Nuair a ghluaiseadh fearg nad’ chorp. Bha thu math gu dioladh duais, Bha thu cruaidh ’n am dol an stri, Seirc, a’s oineach, buirb as buaidh, Do chliu buan an ioma tìr. [TD 215] Ach thugamaid umhlachd do’n ard Righ, Nach d’fhag àn larach gun siol, ’S math Alastair a bhi lathair, Ge craiteach na bheil ’gar dith. Bitheamaid subhaltach ait, Do chlann mhac bhi ’m blagh ’sam pris, Beannachd leis an t saoi a thriall uainn, ’S ann o Dhia thìg gach mor-chis. [TD 216] CUMHA Shir Tormaid Mhic Leoid le Mari Nighean Alastair Ruaidh. RIGH! gur muladach a tha mi, ’S mi gun mhireadh gun mhanran, Anns an tall ’m bu gnà le Mac Leoid. Righ! gur, &c. Tigh mor macnasach meagh’rach, Na macaibh ’s na maighdean, Far ’m bu tartarach gleadhraich nan corn. Tha do thalla mor prisail, Gun fhasgadh gun dian air, Far am facadh mi ’m fion bhi ’ga òl. Och mo dhiobhail mar thachair, Thainig dil’ air an aitreabh, ’S ann a’s cianail leam tachairt na còir [TD 217] Shir Tormaid nam bratach, Fear do dhealbh-sa bu tearc e, Gun sceilm a chuir asad na bòsd. Fhuair thu teist, a’s deagh urram, Ann am freasdal gach duine, Air dheiseachd ’s air uir-ghioll beoil. Leat bu mhiannach coin lùthmhor, Dol a shiubhal nan stùc-bheann, ’S an gunna nach diultadh re h òrd. ’S i do lamh nach robh tuisleach, Dol a chaitheadh a chuspair, Led’ bhogha cruaidh ruiteach deagh-neoil. Glac throm air do shliasaid, An deigh a snaithe gun fhiaradh, ’S barr dosrach de sciathaibh an eoin. Bhiodh ceir ris na crannaibh, Bu neo-eisleanach tarruing, ’Nuair a leinieadh an t saighid o d’ mheoir. [TD 218] ’Nuair a leigte o d’ laimh i, Cha bhiodh oirleach gun bhàthadh, Eadar corran a gàine ’s a smeoirn. Cend soghraidh le dùrachd, Uam gu leannan an t sugraidh, Gu ’m b’e m’ aidhir ’s mo rùn bhi ga d’ chòir. ’Nam dhuit tighinn gu d’ bhaile, ’S tu bu tighiarnail gabhail, ’Nuair shuidheadh gach caraid mu d’ bhòrd. Bha thu measail aig uaislean, ’S cha robh beagan mar chruas ort, Sud an cleachdadh a fhuair thu d’ aois oig. Gu ’m biodh faram air thailisg, Agus fuaim air a chlarsaich, Mar a bhuineadh do shar mhac mhic Leoid. Gur e b’ eachdraidh ’na dheigh sin, Greis air uir-sgeul na Feinne, ’S air a chuideachda cheir-ghil nan cròchd. [TD 219] FUAIM an Taibh, le Mari Nighean Alasdair Ruaidh. RI fuaim an Taibh ’S uaigneach mo ghean, Bha mis’ uair nach be sud m’abhaist, Bha mis’ uair, &c. Ach piob nuallanach mhòr, Bheireadh buaidh air gach ceol, ’Nuair ghluaist’ i le meoir Phadraic. ’Nuair ghluaist’ i, &c. Gur mairg a bheir geill Do’n t-saoghal gu leir, ’S tric a chaochail e cheum gabhaidh. ’S tric a chaochail e, &c. Gur lionmhoire chùrs Na’n dealt air an driuchd, Ann am madain an tùs maidhe. Ann am madain, &c. [TD 220] Cha’n fhacas ri m’ re, Aon duine fudh ’n ghrèin, Nach d’thug e ghreis fein dha sin. Nach d’thug e, &c. Thoir an t-soghraidh so uam, Gu talla nan cuach, Far ’m biodh tathaich nan truagh daimhail; Far ’m biodh, &c. Chun an taighe nach gann, Fudh ’n leathad ud thall, Far bheil aigheir a’s ceann mo mhànrain. Far bheil aigheir, &c. Sir Toramaid mo rùn, Ollaghaireach thu, Foirimail o thùs t’ abhaist. Foirimail o thùs, &c. A thasgaidh, ’s a’ chiall, ’S e bu chleachdadh dhuit riamh, Teach farsaing ’s e fial failteach. Teach farsaing, &c. [TD 221] Bhiodh tional nan Cliar, Re tamul, a’s cian, Dh’fhios a bhaile ’m biodh triall chairdean. Dh’fhios a bhaile, &c. Naile chunnaic mi uair, ’S glan an lasadh bha d’ ghruaidh, Fudh ghruaig chleachdaich nan dual òr-bhuidh. Fudh ghruaig, Fear direach deas treun, Bu ro fhirinneach beus, ’S e gun mhi-ghean, gun cheum traillail. ’S e gun mhi-ghean, &c. De’n linneadh b’fhearr buaidh, Tha ’s na criochaibh mu’n cuairt, Clann fhirinneach Ruairi Iain-mhoir. Clann fhirinneach, &c. Cha’n eil cleachdan mhic Righ, Na gaisge, na gniomh, Nach eil pearsa mo ghaoil làn deth, Nach eil pearsa, &c. [TD 222] Ann an treine, ’s an luth, Ann an ceutaidh ’s an cliu, Ann am fèil’ ’s an gnuis nàire. Ann am fèil’, &c. Ann an gaisge, ’s an gniomh, ’S ann am pailte neo-chrion, Ann am maise, ’s am miagh aillteachd. Ann am maise, &c. Ann an cruadal, ’s an toil, Ann am buaidh thoirt air scoil, Ann an uaisie gun chron caileachd. Ann an uaisle, &c. Tuigs-fhear nan teud, Purpas gach sgeil, Susbaint gach ceill nadair. Susbaint gach, &c. Gu’m bu chubhaidh dhuit sud, Mar a thuirt iad ris, Bu tu ’n t-ubhal thar meas aird chraoibh. Bu tu ’n t-ubhal, &c. [TD 223] Leodach mo rùn, Seorsa fhuair cliu, Cha bu thoiseach ùr dhoibh Sir, Cha bu thoiseach, &c. Bha fios co sibh Ann an iomartas Righ, ’Nuair bu mhulaidich stri Thearlaich ’Nuair bu, &c. Slan † Ghail no Ghaill Gu’n d’fhuaras oirbh foill, Dh’aon bhuaireadh ge’n d’rinn ur nàmhaid. Dh’aon bhuaireadh, &c. Lochlunnaich threun Toiseach ur sgeil, Sliochd solta bh’air freamh Mhanuis. Sliochd solta, &c. Thug Dia dhuit mar gibht, Bhi gu mordhalach glic, Criosd dheonach’ dha d’shliochd bhi àghmhor. Criosd dheonach’, &c. † King Charles II. † Defiance. [TD 224] Fhuair thu fortan o Dhia, Bean bu shoc’raiche ciall, ’S i gu foisteanach fial nàrach. ’S i gu foisteanach, &c. Am bheil eannach a’s cliu, ’S i gun mhilleadh na cùis, ’S i gu h-iriosal ciuin cairdeil. ’Si gu h-iriosal, &c. I gun dolaidh fudh ’n ghrèin, Gu toileachadh treud, ’S a folachd a reir bean righ. ’S a folachd, &c. ’S tric a riaraich thu cuilm, Gun fhiabhras gun tuilg, Nighean Oighre Dhuntuilm slan duit. Nighean Oighre, &c. [TD 225] BEANNACHD Posaidh do Shir Alastair Mac Choinnich Triath Ghearrloch, agus do mhnaoi, leis a Phiobair dhall. GU’M beannaicheadh Dia an teach, ’s an tùr, ’S an ti so thainig ùr ’nur ceann, Geug shona, sholta gheibh cliu, Ni buanachd duthacha, ’s nach call. A gheug a thainig ’s an deagh uair, Dha’m buadhach muirn, agus ceol, Odha Choinnich nan rùn readh, ’S odha Bharoin Shraith Spè nam bò. Mach o Iarla Siforth an tòs, Dhiuchd an oigh a’s glaine beus, ’S o’n Tuitear shaileach a ris, A fhreasdaileadh an Righ na fheum, ’S bithidh Grantaich uime nach tim, Bu treubhaich’ iomairt sgach ball, [TD 226] O Spè a b’iomadaich linn, A’s feigh air firichean ard. Gheibhte aig siol Ailpein nam fiagh dearg, Leis ’m bu mhiann gach sealg a frith, Fir mhaiseach, ghasda gun cheilg, ’N am dhol an seilbh an stri. ’S an o na Cinnidhean nach fànn, A thainig an Oigh a’s glain’ beus, Gruaidh chorcair, ague rosg mall, Mala chaol, cham, ’s cùl readh. Tha h-aodain geal mar a chailc, ’S a corp sneachdaidh air dheagh dheilbh, Maoth leanabh le gibhtean saor, Air nach facas fraoch gu feirg. Tha slios mar eala nan sruth, ’S a cruth mar chanach an fheoir, Cùl cleachdaidh air dhreach nan teud, Na mar aiteal grein an òir. Bu cheol cadail i gu suain, ’S bu bhuachaill i air do bheus, [TD 227] Cainneal sholais feadh do theach, A’ frithealadh gach neach mur fheum. Gu meal thu t’ùr bhean òg, A Thriath Ghearrloch nan corn fial, Le toil chairdean as gach tìr, Gu meal thu i, a’s beannachd Dhia. Gu meal sibh breith, agus buaidh, Gu meal sibh uaile, agus muirn, Gu meal sibh gach beannachd an cein, ’S mo bheannachd fein duibh air thùs. ’S iomad beannachd, agus teist, Th’aig an oigh a’s glaine slios, ’S beannachd dha ’n ti thug leis Raogha nam bàn an gnè, sa meas. [TD 228] MARBH-RANN do dh’ Iain Garbh MacGillechalum Rarsaidh, chaidh a dhith le ainneart mara. Mo bheud, ’s mo chradh, Mar dh’ eirich dha ’N fhear ghleusda, ghraidh, Bha treun san spàirn, ’S nach faicear gu brath an Rarsa. Bu tu ’m fear curanta mor, Bu mhath cumadh a’s treoir, O d’ uilean gu d’ dhorn, O d’ mhullach gu d’ bhroig, Mhic Muire mo leon, Thu bhi ’n Innis nan Ròn, ’s nach faighear thu. Bu tu sealgair a gheoidh, Lamh gun dearmad, gun leon, Air ’m bu shuarach an tòr Thoirt a bhuanachd a cheoil, ’S gu’n d’fhuair thu na ’s leoir, ’sna chaitheadh tu. [TD 229] Bu tu Sealgair an fheigh, Leis an deargtadh na bein; Bhiodh coin earbsach air eill Aig an Albanach threun; C’ait’ am facadh mi fein Aon duine fudh ’n ghrein, A dheanadh riut euchd flathasach. Spealp nach dibreadh, An cath, na ’n strì, Casan dìreach, fada, finealt, Mo chreach dhiobhail Chaidh tu dhìth oirn, Le neart sìnidh, Lamh nach dibreadh caitheadh orra. Och! m’ fheudail uam, Gun sgeul sa chuan, Bu ghle mhath snuadh, Ri grein, ’s ri fuachd, ’S e chlaoidh do shluagh, Nach d’ fheud thu ’n uair a ghabhail orr’, [TD 230] ’S math thig gunna nach diult Air curaidh mo ruin, Ann am mullach a chuirn, ’S air uilean nan stùc, Gu ’m bitheadh fuil ann air tùs na spreidh-sin ’S e d’fhag silteach mo shuil, Faicinn t’ fhearainn gun sùrd, ’S do bhaile gun smùid Fudh charraig nan sugh, Dheagh Mhic Chalum nan tùr a Rarsa. Mo bhèud, ’s mo bhròn, Mar dh’ eirich dhò Muir beucach, mor, Ag leim mu d’ bhord, Thu fein, ’s do sheoid ’Nuair reub ur seoil, Nach d’fhaod sibh treoir a chaitheadh orr. ’S tu b’fhaicillich’ ceum, Mu’n taice so ’n dè, De na chunnaic mi fein, Air faiche nan ceud, [TD 231] Air each ’s e na leim, ’S cha bu slacan gun fheum claidhe ort. ’S math lùbadh tu pìc O chùl-thaobh do chinn, ’Nam rusgadh a ghill, Le ionnsaidh nach till, ’S air mo lamh gu’m bu cinteach saighid [?] ’S e an sgeul craiteach Do’n mhnaoi a d’fhag thu, ’S do t aon bhrathair, A shuidh na t’aite, Diluain Caisge, Chaidh tonn bait ort, Craobh a b’ aird’ dhe ’n abhal thu. Tuig do dheireadh fein a dhuine, ’S abhar gioraig dhuit do chuid, Tri buird, agus aon leinteag, T’ fheudail la seinn do cluig. An crann sin a bha ’n dè gu miaghail, ’S earradh fein gu sgiamhach uaine, An diugh mu theid thu ga fheuchain, ’S eiti a leirsean le luimead. [TD 232] ’S boidheach glan, ùr, dosrach, òg, Brosgal breig’ an t sòlais ghearr, An diugh thionn i ri lùbadh, Thuit a chraobh o bonn gu barr. Amhlaidh mar dh’eireas dha duilleach, ’S amhlaidh dhuits a dhuine thruaigh, An deighs’ do cheile san t saoghal, Tuitidh tu na d’ aonar san uaigh, Sgarar thu o d’ ghradh air talamh, Sgarar thu o d’ airm, ’s o d’ eididh; Tha ’n aois ag leaghadh do chaileachd, Ge b’ ionmhuin leat an dail na ’m faodadh. Mu’n dail nach faodar leat fhaighin, Bheirin dhuit comhairle gu d’ sheoladh, Mu’n teirig gaineamh do ghloine, Dean-sa cabhag dh’ iaraidh trocair. Liubhair t’anam do Dhia an tùs, E ga d’ anacladh o phiantaibh bàis, T’ anam a thogail le t’ anail suas, ’S an uair ag teannadh gach la. [TD 233] ORAN do Chaiptean Ailean Chinsburgh, le Iain Mac Codrum. NIS o’n tha mi m’ aonaran, ’S mi chònuidh ann sa Bhágh, ’G obair air na h òrain, ’S e ’s còire na bhi m’ thamh, Tighinn air beùs an Donullaich, Tha fearail, treubhach, mordhalach, Gur ioma ceud chuir eolas ort, ’S bu deonach leo thu slan. Tighinn, &c. ’S e mo rùn an t Ailean, D’ fhàs foinnidh, fearail, ard, Aon mhac De ga d’ anacladh, O an-shocair, ’s o chradh; Sàr chuirtear muirneach, macnasach, A Ghiulain mhuinte, mhacanta, [TD 234] Tha cruaidh gu chùl ach casadh ris, ’Nuair dhuisgear eas’ gun tàth. Fear eolach, seolta, siobhailt thu, Gun toir air stri gu brath, Am bheil mais’, a’s tlachd, a’s aoidhaileachd, Cho mhath sa dh’ innseadh Bard, Mordhalach, mor-inntinneach, Gun toireachd air a phriobalachd, Gun scod de Chlann mhic Cuibain ann, Gu hiosal, na gu hard. Fear foinnidh, fearail, soc’rach thu, ’S neo-throichail a measg chaich, B’ acfhuinn fear do choltais, Chuir mais air chnoc na dha, Leoghan feardha, tosgarra, Mor churaidh, calma ’n toirtealachd, ’S mairg luch an-mein chasadh ort, Gun fhosadh air do laimh. ’S mairg luchd an-mein chasadh air, Gun fhosadh air a laimh, [TD 235] Na thigheadh cearr, na toisgeal air, Gus brosnachadh thoirt dha, Lann sgaiteach de smior cruadhach air, ’S an truaill bu dreachmhoir’ dualanan, Cha stad e’m feoil, am buailear e, Gu ’n ruig e smuais nan cnamh. Cha bhrideach air an fhaiche e, Ri fhaicinn a measg chaich, Ceann-feadhna meagh’ rach, faicilleach, Am bheil taitneachdain air blar, Fear irisiol ciuin, ceillidh thu, Gun easbhuidh smior’, na treubhantais, Gu ’m b’ eirearchdas fear t eugais Air cheann daoine ’n taobh so ’n Fhrainc. Dubh, a’s deirg’, a’s gille, Dreach an fhir a tha mi ’gradh, Gu calma, feardha, fireachail, Ro chinadail ri daimh, ’S e ceol a’s fearr, ’s a’s binne leam Gun d’ rug do mhathair fireannach, Gu’n canar sàr fhear cinnidh ris, Gach ionad an dean thu tamh. [TD 236] Cha b’ iongna dha d’ luchd eolais, Ge bu deonach leo thu slan, Do dheorain, a’s do dhileachdain, Gun bhi ’n teinn, na ’n sàs, A ghnuis tha flathail, eibhinn, Far an luidh thu, slan gu ’n eirich, Deagh naigheachd fear na feile leat, Do cheile bhi na ’s fearr. Oighre air Loinn mhic Iain thu, Mac Samhail sgach cionfath, Gu damhail, cairdail, ineachail, Ri duine bhiodh an sàs, All ceanaltachd, ’s an reasantachd, Am fearalachd, mar d’ fheumadh tu, Gu’m b’ athairail dhuit na beusan sin, Bha leirsineach do chach. Cha bhreac an iomal lonain thu, Gun neart, gun seol air snamh, Cha ’n fhochan brais folaich thu, Le gaise mor na bharr, Cuspair cinnteach, comhnard thu, [TD 237] Dhe ’n fhinneadh rioghail Dhonallach, ’S mairg a chuireadh constri ort, ’S tu deonach dhol na phairt. ’S tu shliochd nan curaidh mileanta, Nach fuiligeadh spid fudh thair, Nach giulaineadh airm dhiomhaoineach, ’S an tìr a dol fudh smàl, Le caithream nam fear mora sin, Bhiodh gearradh garbh air spoltaichean, Bu shalach garbh a chocaireachd, ’Nam toiseachaidh air àr. Chuir Dia taogha ceile * ort, Rinn mais’, a’s feil ri daimh, Rinn an gniomh bu smioraile, Rinn bean a tha, na bha, Le barrachd uaisle, a’s rioghalachd, Ghluais i ann sna gniomhara, * Flora Mac Donald, who rendered her fame immortal by the brave, and active hand, she took in saving Prince Charles Stewart’s life; when he was hunted by his merciless enemies through the Western Isles. [TD 238] Thug seanachas buan do linneachan Air cuimhne an deigh a bais. Cha b’ iongna leam a h-uaisle, Thoirt dhi gluasad ann sa chàs, Bha stoc nan craobh o’n bhuaineadh i, Gun ghrod, gun ruaidh, gun smàl, Odh Aonais oig nam Brataichean, A’s Raonuill mhoir nam feachdanan, B’ e m fortan còir na ’n tachaireadh. Dha ’r ’n eascairdibh bhi slan. [TD 239] FREAGRADH Iain Gharnaileir do dh’Iain Balbhan, le Iain Mac Ailein. Air fonn,—“Srath-chuaiche,” le Iain Lom. MU’N geul so a chualas Ga luaidh air Iain Mantach, ’S mu’n fhreagairt a fhuair e Ann am bruadair a bhalbhain, Ged nach tigeadh le m’ gheir-sa An tuigse threun so a leanamhuin, ’S fearde sgeul air a threisid Moran teisteis, a’s dearbhaidh. Chi mi’n saoghal air chuibhlean, ’S gun e aig aon char a fuireach, Ach ag direadh, ’s a tearnadh, Mar Roth amhailteach Muilin, Am fear a thachair na airde, ’S e ’s mò aobhar gu mulad, ’S gu’m faod mise th’ air tearnadh Bhi na aite mu’n sguir e. [TD 240] Ciod e’n gliocas, na’n tabhachd, Tha do gharnaileir eolach, Craobh thorach a gharaidh, Dhol le h-ailgheas ga fogradh, Gu crann ùr chuir na h-aite, ’S gun e mu nadur leth-eolach, ’S a mheud ’s a gheibh e ga àrach Seal mu’n tàr e deagh phòr dhe. Ach an cranns’ o chionn tamuil Bha fudh thoradh gun easbhuidh, ’S cian o chraobh-sgaoil a chomain Air gach comunn am Breatain, Ged a rachadh call dhubhair Air a chnuasachd re treise, ’S mairg a loisgeadh a thiomban Ris a mhuintir a chreic e. ’S beag m’ iongna a’ Nasion Bha gun diamh ris ga threigeadh, ’S gu’m b’e ’n aobhar chun fhogradh, Nach b’ann dhe’m pòr fein e; Ach Alba bheag dhona, bha Gun onair fudh ’n ghrein aic, [TD 241] Ach gu’m faodadh i raitin Gu’m b’e àrach a geig’ e. B’e ar gliocas san aobhars’ Anns na càsanan ceudna, Bhi caomh, carthannach, cairdail, Mar ion bhrathairean do cheile, Gach ni tha air marthain Chumail slan mar a d’fhaodas, ’S gu’n do dh’orduich ar Slanuighear Dhuinn a chaill thoirt do Cheasar. Ach ’se th’ann mo raoghain Gun dol air m’ aghaidh na’s daine, O’n tha ’n t-ath so co domhain ’S nach tomhais cás ghearr e, Ach an Righ dha’m bheil feartan, ’S a ni gach beart mar a’s ail leis, Chuir na còrach na suidhe, Mar a’s cubhaidh sgach aite. [TD 242] MARBH-RANN le Rob Donn do dha Mhinisteir chliuiteach, Maistir Iain Munro, agus Donull Mac Aoidh. Air fonn—“The Pearl of the Irish Nation.” ’S e mo bheachd ort a bhàis Gur bras thu ri pairt, ’S gur teachdair tha laidir, treun thu. Ann an cogadh, na’m blàr Cha tugar do shàr, Aon duine cha nàr do threigeadh. Thug thu an tràs Dhuinn buille na dha, Chuir Eaglais bàn, a foghlum, ’S fhuras dhomh ràdh Gur gairid do dhàil, ’S gur tric a toirt bearn nar Cleir thu. Bhuin thu rinn garbh Mu ’n dithis a d’fhalbh, ’N’air ruidh thu air lorg a cheil’ iad. C’uime nach d’fhag thu [TD 243] Bhuidhean a b’aird’; A bhitheadh do chàch ro fheumail? A bhruidhean a b’fhearr A’ tighinn o’m beul, ’S an cridheachan lan de reasan. Chaidh gibhtichean grais A mheasgadh na’n gnàs, ’S bha’n cneastachd ag fàs do reir sin. Dithis bha’n geall Air a ghearradh a bonn, Gach ain-iochd, gach feall, ’s gach eacoir, Da sholus a d’fhalbh A earrunnan garbh, D’fhag an talamh sin dorch do reir sin. Ged tha e cruaidh, Gu’n deach iad san uaimh, Tha cuid a gheibh buaidh, a’s feum dhe; Mar ris gach aon ni, A d’aithris iad duinn, Chaidh ’n gearradh a tìm an leughaidh. Dithis a bh’ann, Bu chomhairle, ’s bu cheann, [TD 244] Do phobul fhuair am gu’n eisdeachd. Dithis a bha ’m bàs Na bhriseadh do chàch, Gidheadh gu’m b’e ’m fabhar fein e. Cha ladarn gu dearbh Dhuinn a chreidsin ’n’air d’fhalbh, Gu’n d’ fhreagair an earbs’ gu leir iad. A dh’ain-deoin an aoig, B’e’n caraid a gaoil, ’N’air scar e o thir nam breug iad. Tha sgeulan ri inns’ Mu dheibhinn na dithis, A b’fheumail a bhi ’s na ceudaibh. Faodaidh mi ràdh, Ge teumnach a’m bàs, Nach tug e ach pairt d’a bheum uainn. Ged thug an tinn An corpaibh do’n chill; Bithidh iomradh binn na dheigh orr’, A’s ioma beul cinn ’G aithris ’s gach linn Na labhair, na sheinn, sna leugh iad. [TD 245] Sinn a tha lathair Tuig’maid an tràcs’, A’s cleachdamaid trà ar reasan. Nach faic sibh, o’n bha An lathaicheans’ gearr, Gun ruidh iad na b’ fhearr an reis ud. ’S mac samhuil duinn iad, Ged nach eil sinn co ard Anns na nitheanan crabhaidh, leughant. Na earb’maid gu brath Gu’n ruig sinn an tait’s’, Mur lean sinn ri pairt de’n ceuman. Tha’n teachdairs’ air toir Gach neach a tha beo, Ga’n glacadh an còir, na’n ea-coir. Na gheibh e na dhorn, Cha reic e chionn oir; Ri gul, na ri deoir cha’n eisd e. Chi mi gur fiu Leis tighinn do’n chùil Gu fear ann an cluid mar èididh; ’S ged dheanamaid dùn, [TD 246] Cha cheannaich e dhuinn Aon mhionaid de uin’ o’n Eug sin. An dithis so chuaidh Cha deachadh cho luath, Na’n gabhadh tu uainn an eiric. Cha leig’maid na’n dithis Iad as san aon mhios, Na’m b’urra sinn diol le reasan. Ach ’s teachdair ro dhàn Thu tighinn os aird, Buailidh tu stàtaibh, ’s deircean; Cha bhacar le phris Air t’ais thu a ris, ’S tu dh’ easbhuidh an aon mu’n teid thu. Glacaidh tu chloinn Amach o na bhroinn, Mus faic iad ach soils’ air eigin. Glacaidh tu’n oigh Dol an coinneamh an oig, Mu’m faodar am posadh eigheach’. Mus beag, na mus mor, Mus sean, na mus og, [TD 247] Mus cleachdadh dhuinn còir, na ea-coir, Mu tha sinn nar beo, As anail nar sroin, Cuirear uile sinn fudh na feich ud: Tha’m bàs os ar cinn ’G ar glacadh le tinn, ’S le fradhrac ar cinn cha leir e: Ach tha glaodh aig cho cruaidh, ’S gu’m faodadh an sluagh, A chluinntinn le cluais an reasain. Nach dearc sibh a chùl, A’s fear aig na scuird, ’S e smeideadh a shùl’ na dheigh oirn. An diugh ciod am fath Nach bith’maid air gheard. ’S gu’n bhuin e ar nabaidh ’n dè uainn. A Chumhachd a tha Cuir h ugainn a bhàis, Cha teagamh nach paidh air t’fheich e: Tha meisneach, a’s bonn Aig neach a tha ’n geall [TD 248] Air tagradh na gheall a bheul da; O’s athair do chlann, A d’fheitheas air teann, ’S fear taighe don bhantr’aich fein e; ’S cruthaichear a th’ann, A bheir gu neo-ghann Na thoilleas sinn anns a’ chreatuir. [TD 249] AIR Bàs Mhaistir Pelham*, agus Eoghain, leis a Bhard cheudna. O’s fada, ’scian fada, ’S cian fada gu leoir, O’n la bha thu fudh sheac thinn, Gun duine faicinn do bhroin: Mu tha ’n tìm air dol seachad, Nach deach a chleachdadh air chòir, Nis, ged nach dàil duit ach seachdain, Dean droch fhasan a leon. Ach na’n tuigeadh sinn aoig thu, Cha bhiodh an saoghal-sa ’gar dalladh, ’S nach ’eil aon de shliochd Adhaimh * This was Henry Pelham, who was prime minister of state. Ewen was a poor man, who lived in an obscure corner of the North. They were both carried off by death on the same day. From this circumstance the Poet takes occasion to represent the progress of death from the highest to the lowest of mankind. [TD 250] Air an tamailt leat cromadh; Tha mi faicinn gur fior sud, Gar ard’ a’s iosal, do shealladh; Thug thu Pelham o mhorachd, ’S an d’ fhuair thu Eoghan sa’ Pholladh? Tha thu marbhadh de ’n t seors ud, Mu’m bheil bròn dhaoine mora, ’S tha thu suibhal air muintir, Mu nach cluinntear bhi caoineadh; Cha ’n eil aon san staid mheadhain, Tha saor fathast o’n doruinns’, Do nach buin a bhi caithris Eadar Pelham, a’s Eoghan. Tha iad tuiteam mu’n cuairt duinn, Mar gu ’m buailt’ iad le peileir; Dean’maid ullamh ’sam fuaim so Ann ar cluasan na fharum. Aon a’s lugha measg mhoran, Am faic thu Eoghan fudh ghalar? Aon a’s mò anns na h aiteans’, An cual’ thu bàs Mhaistir Pelham? [TD 251] Ach a chuideachd a chridhe, Nach dean an dithis oirn scathadh, A’s sinn mar chainneil an lainteir, ’S a da cheann a sior chaitheadh. Cha robh aon a measg dhaoine, Bha na b’ ilse na mac t’ athars’; Cha robh aon os a chinn-sa, Mach o’n righ air a chathair. ’S tric thu bhàis cuir an ceill duinn Bhi sior eigheach nar cobhrach; Tha mi ’m barail mu ’n stad thu, Gun toir thu ’m beag, a’s am mor leat. ’S an o thainig am foghbhar, A fhuair sinn fraighe a d’ fhonadh, Le do leims’ o na cuirtibh Do na chuil am bheil Eoghan. [TD 252] ORAN do Mhaistir Donull Morison†, Leighe a bha ann an Teaghlach Mhic Aoidh; leis a Bhard cheudna. LUINNEAG. Binn sin uaireigean, Searbh sin og, Binn sin uaireigean, Searbh sin og, Binn sinn uaireigean, An comunn so a d’fhuaraich, Air an robh earrball gle dhuainail, Ge bu ghuanach a shron. A BHLIADHNA na Caluinn s’ Bu gheur am faobhar a ghearradh an teud, Bh’ eadar Donull ’s am Morear, ‘S iad mar aon ann an comunn, ’s an gaol, † Dr Morrison was, for a long time, in high esteem, and favour in the family of Lord Reay. But at length, a misunderstanding coming in the way, he found cause to leave the family, reflecting at the same time, on the fluctuating tempers, and unsteady favour of the great; and repeating that old Gaelic adage, “Is sleamhuin an leac th’aig dorus an taighe mhoir.” [TD 253] Ach cia b’e ni bha sna cairtean, Chaidh e feargach oirn seachad an de; ’S co a’s dacha bhi coireach, Na ’m fear a d’fhagadh am baile leis fein. Chunnaic mis’ air a bhord thu Bhliadhna ghabh Sina Ghordan an t at, ’S cha chuireadh tu t’ aodan Ann an comunn nach slaodadh tu leat: ’Nuair a shaoil thu do shorachan, Bhi cho laidir ri tulachaill a gheat, Shlip na bonna chasan reamhar Dhe na lom leacan sleamhain gun taic. Cha ghlacain-sa iongna As an lic so chuir miltean a muigh, Dhe na corra cheannaich bhrioscach, Aig am faict’ an da iosgaid air chrith; Ach an trostanach treubhach, Chuireadh neart a dha shleisde na’n sith. Mo thuit eas aig ar dorus, Cia mar sheasas fear eile sam bith. ’S ann tha ceuman an Fhreasdail Toirt nan ceudan de leasanan duinn, [TD 254] Deanadh iobhairt de bheagan, Gu ’m biodh cach air an teagasg re’n linn; Ach mu thuiteas fear ath-ghearr Le bhi sealltuin ro bhras os a chionn, Cha’n eil fhios agam aca Co’s ciontaich ’n leac, na na buinn. Tha mise fein ann an eagal, ’Giaraidh fasaich, a’s eig do mo shail, A’s mi falbh air na leacan, Air an d’ fhuair duine seasmhach a shàr; Ach tha m’ earbsa trid chunnard Mo gharbh chnamhean uile bhi slan, Oir ged tharladh dhomh clibeadh, Cha’n eil aird aig mo smigid o’n làr. An duin’ ogs’ tha na leighe, Tha mi claistin tha tighinn na dheigh, Fhuair e leasan o dhithis, Chum sgu’n scasadh e suidhicht na cheum; Mu’n chuis tha’d ag leantuin Cuiream cùl ri bhi cantuin na’s leir, Ach na’m biodh brigh ann mo chomhairle, So’n tam am bheil Somhairle na feum. [TD 255] ORAN leis a Bhard cheudna, ann am bheil da Nighin uasail ag freagradh a cheile; aon ag dio-moladh, ’n aon eile ag moladh nan gleann, ’s na duthachan ard. Co b’e dheanadh mar rinn mis’ Bu mhiste se gu bràth; Dhol do bheinn, an aghaidh m’ inntinn, Mhill e mi nam’ shlaint’; Pairt de m’acain, Braigheach Mhearcain, ’S ait’ gun mharcaid è, Ach Spain, a’s copraich am ba-theach fosgailt’, ’S gràine shop ri làr. Cha’n eil seomar aig Ri Breatain, ’S taitneich’ leam na’n carn; Bithidh se uaigneach do ghruagaich, ’S ni e fuaim n’ air ’s aill: Feur a’s coille, blath, a’s duille, ’S iad air ioma neul, Ise le Echo mar na teudan Seinn gach teis a’s fearr. [TD 256] ’S truagh an cònuidh leam air dònach Suidhe ’m froig nan carn; Mur eil ’Strianach ann air bliadhna, Cha robh riamh na b’fhearr, Gruaim na beinne, ’s fuaim a’ ghlinne, ’S fuathach leinne ghàir; Gràin mo chridhe reubadh lighe, An tait’ an tiughe ’m feur. Ciod am fath mu ’n tug thu ’m fuath-sa Do na bruachan ard, Nach faic thu fein ’n’air thig an spreidh, Gur feumail iad le’n àl, Cha ghràin cridhe ar làrach shuidhe, Na gàir na lighidh Iain, Dha’n gnà bhi cladhach roimh a h-aghaidh, ’S feur na deighidh fàs. Na bha firinneach dhe t’amhran, ’N’air bha’n samhradh blà; Rinn e tiondadh lath samhnaidh, ’S bheir an geamhradh shàr, Duille shuighte barr an fhiodha D’fhàs i buidh, bhàn, [TD 257] ’S tha maise ’n t-sratha air call a datha Le steall de chathadh làir. Gleidhidh ’n talamh dh’ionnsaidh ’n t-samhraidh Sin a chrann an tras, Beatha, ’s caltuinnn lath Bealtein Gealltanach air blàthas; Bithidh gruth, a’s crathadh air na srathaibh, ’S teirigidh an cathadh làir. O! ’s grinn an sealladh glinn, a’s stealladh, Laoigh, a’s bainne ’s dàir. ’S e mo bharail fein gu’n caill sibh Air na rinn sibh chàis, Thigh’n do shliabh gun chur, gun chliathadh; ’S nach eil biadh a’ fàs, B’fhearr bhi follaiseach an Galladh, Na bhi ’n comunn graisg, Ga mo dhalladh leis a chonnadh ’N taice balla fàil. [TD 258] ORAN leis a Bhard cheudna d’a leannan. ’S trom leam an airidh, ’S a ghàir sin a th’innt’, Gun a phairt sin a b’abhaist, Bhi’n tras air mo chinn; Anna chaol-mhalach, chioch-chorrach, Shlib-cheannach, ghrinn, ’S Iseabail a bheoil mhilis, Mhanranaich, bhinn. Heich! mar a tha Air mo chinn; ’S e d’fhag mi cho craiteach, ’S gun sta dhomh bhi ’g inns’. Heich! &c. Shuibhail mis’ a bhuail’, Agus shuas measg nan craobh, ’S gach ait’ anns am b’ abhaist, Bhi tàladh mo ghaoil, ’S chunnaic mi’m fear bàn, [TD 259] A’s e manran r’a mhnaoi, ’S b’fhearr leam nach tàrain An trà ud na’n gaoith ’S e mar a bha Air mo chinn, A d’fhag mi cho craiteach, ’S gun sta dhomh bhi ’g inns’ ’S e, &c. Anna bhuidh, nighean Donuill, Na’m b’eol duit mo ni, ’S gur e’n gaol, gun bhi paidht’, Thug amhain uam mo chli; Tha e dhomh, a’ t’fhianuis, Cho gniomhach, ’s tra chi, Diogaladh, ’s a’ smuiseach, ’S gur ciurt’ tha mo chridh’. Air gach tra, ’S mi ann an stri, Feuchain ri aicheadh, ’S e fàs rium mar chraoibh, Air, &. [TD 260] Labhair i gu h-ailgheasach, Aiteagach rium, Cha nàr thu bhi lamh rium Gu càradh mo chinn; Bha siathnar ga m’iaraidh, Car bliadhna de thim, ’S cha b’ airidh thar cach thu Thoirt barr os an cinn. Ha! ha! hà! An d’ fhas thu gu tinn, Mu ’se gaol a bheir bàs duit, Gu’m paidh thu d’a chionn. Ha! &c. Cia mar bheirinn fuath dhuit, Ged fhuaraich thu rium; ’N’air a’s feargaich mo sheanachas Mu t-ainm air do chùl, Thig t-iomhagh le h-annsachd Mur shamhladh na m’ uigh, A’s saoilidh mi gur gaol sin, Nach caochail a chaoidh. [TD 261] ’S theid air a ràdh Gu h-as-ùr, ’S fasaidh e’n trà sin Co arda ri tùr. ’S theid, &c. O’n chualas gu ’n gluaiseadh tu Uainn leis an t-saor, Tha mo shuain air a buaireadh Le bruadairean gaoil, ’S gun an cairdeas, a bha’n sud, Cha nàr mi bhi saor, Ga mo bharnaigeadh laimh riut ’S e ghna dhomh mar mhaor. Ach mu tha Mi ga do dhi, B’fhearde mi pàg uat, Mus fhagadh tu’n tir. Ach, &c. [TD 262] ORAN le duin’ uasal araid, a bha tamh an Duthaich Mhic Aoidh, air dha sgur de’n Drobhaireachd, ris an robh e greis de aimsir oige. ’S aonarach ata mi ’m bliadhna, ’S tha mi cianail air a shon-a, Tional achichean air bhraigheach, A’s feidh air fàsach barr na bh’ orra. ’S gabhaidh ’n roinns’ tha ’m buill an anama, Pairt diu leanamhuin air gach cor-a; Lean mo thuigse sionn ri m’fheum, A’s thàr an fheill di fein mo thoil-a. ’S luaineach, mion-chorrach, am dhuisg mi, ’G iaraidh naigheachd ùr gach fir-a; Suain cha’n fhaigh mi air a rian-a, Deoch, na biadh, cha’n iar, ’s cha sir mi; ’S gann gu ’n cluinn mi phairt tha laimh rium, ’Nuair a’s airde ’n gàir ’s an gean-a, Smuainteachadh bhi air an fheill, ’S a sealltuin air mo dheigh ’s mi sean-a. [TD 263] Ach Uisdean cluich a reir do cheille, Deanadh t’fheir ri grein na teas-a, ’S cuimhnich nach eil neart an daoine, Nach toir beagan tim air ais-a; Smuaintich orm-sa la Fheillmicheil Am buthan dithreabh ri bun phreas-a, ’S m’aigne cho iosal ri luath, Airson bhi tuath ’n’air tha thu deas-a. Ach tha thu’n cuirtibh mar bu chòir, Ged tha mi fudh cheo ’s fudh smalan, ’S tha thu deanadh ’n airde t’eolais Ris gach duine mor, a’s mion-a, Tha thu nochd a’ dol shealltuin Air Barcalltuin, ’s air a bhean-a, ’S ged a d’fhàs mo chasan mall Cha tric mu smuaintean sionn, na sin-a. Ach saoilidh mi gu’m bheil mi ann, A’s glacaidh mi gu teann mo chuilc-a, A’s saoilidh mi anns a cheart am, Nach eil am’ cheann ach samhla’ uilc-a, Saoileam gu’m faic mi do cheuma, ’S do lamh threun ’s an t-srein, ’s a’ chuip-a. [TD 264] ’S tha do dhealbhs’ aig suilean m’inntinn Mar tha bheinns’ aig suil mo chuirp-a. Deanadh aithne ris gach Drobhair Chaith mi ioma bota ’s spuir-a, ’S rinn mi ’n airde cliu do ni, Greis de thim mu ’n d’ rinn mi sgur-a, ’S caraid thu, cha chall na fhuair thu, ’S tu tha buain na bha mi cur-a, ’S ait leam thu bhi ’n tùs na pris, Ged tha mi ’m bliadhna m’ aonar tur-a. [TD 265] ORAN molaidh, leis a Bhard cheudna, do Mhari Nic Aoidh, Nighean Fir Bhigais, air dhi Uilliam Bailli, Fear na h-Airdemoir, a phosadh. Co fad ’s a tha cliu na Reul tuatha Thar na reannagan shuas tha toirt car, Cha lugha tha Mari Nic Aoidh, A toirt urram os cinn Mari Carr. Cha’n ann ged tha suilean mar intleachd, Gu smuiseachadh inntinn nam fear, Air chor ’s gu’m bheil treis diu ga h-iaraidh O Dheas, a’s o’n Iar, a’s o’n Ear. Ach o’n tha feartan na h-aodan, Mur tha anns a’ ghrein, ’s i na teas, Mu’n aon fhear a sheallas gu dùr oir’, Bheir ceudan an suil air an ais. Cha mhò tha de neart anns a chanan, Cur ghaisgeach le anail air falbh, [TD 266] Na chumhachd th’aig Mari gu tarruing Le seallanan banaileach, balbh. ’S ann tha luchd oifig, a’s beathaich, A’s aireamh de leithidibh fin, Ag ruidh ann an cuisibh a’s dacha Bhi fiughail air Mari mar bhean. ’S caomh leis a chaiptean an oifig, ’S cha’n ann airson gnothaich an Ri; Ach gus gu’m bi onair na’s airde, A’s gu’m buinig e Mari Nic Aoidh. Buinidh do’n Bhailli mor cheartas, A thoirt do gach neach thig na ghaoith; Ach cluicheas e tric air a nabaidh, Gu thilleadh o Mhari Nic Aoidh, Am fears’ tha co sona na phòsadh, ’S gun chothaich e’n oighs’ thoirt a mach; ’S e beatha na tha ris-sa de fharmad, ’S tha easan gun fharmad ri neach. An Caiptean a dhearbh leis na sheinn e, Gu’n robh e gu tinn re car seal; [TD 267] D’fhonadh dha sealladh dhe h-aodain, Gu leigheas o ghaol Mhari Carr. Ged chuireadh fortan ceud failt air, ’Na storas, na chairdean, ’s na mheas; Cha’n urra mi mholadh na’s cruaidhe, Na innseadh gun bhuannaich e is’. Ach ged a tha Mari co cliuiteach, ’S e’n rud a chuir crùn air a sealbh, An cothachadh treun rinn Gleann-iubhair, ’N’air thug e a piuthair air falbh. O’n bha i na fiuthaidh do dhanaibh, A bheireadh ri dheanamh da Phope *, ’S tha i nis bliadhna na mathair, ’S e sud a d’fhag Mari na top. * The English Poet. [TD 268] CUMHA, leis a Bhard cheudna, do dh’ Uisdean Mac Aoidh, Mac Fir Bhigais, dh’eug ’nuair bha e na fhleasgach og, ni a dhuisg bròn de mhoran. NACH truagh an sgeul, fhuair mi fein, Mu’n tiom so ’n dè, o d’fhalbh i mi uaibh; Gun bhuail an teug an t uasal treun, Le cuartach geur, ’s gu’n mharbh sud e; B’ ann de mhac Aoidh, thaobh duine, a’s mnaoi, An gasan aoidhail, dealbhach ud, Mo chreach! ga inns’, gu ’n deach gun aois Mac da ’m bu thìr Srathaladail. Nach cruaidh an guth-sa th’aig an t sluagh, O’n deach thu luath’s a dh’earb iad riut; Tha ghaoir cho cumannt’ aig daoin’ uais, Aig mnai, aig tuath, ’s aig searbhantan. Cha’n eil o’n Torr, gu’n ruig an Stoir, Am duine beo, o d’fhalbh thu uainn, [TD 269] A ’s urra còradh mu na bhord, Ach tùrsach, brònach, marbh-rannach. Cha’n ann mu chall an codach fein, Tha sluagh gu leir cho càsmhorach; Ach aon thoirt uath, gun aon fhear fuath, Ann an robh gach buaidh cho fhàsmhorach; A phearsa gu leir, a dhreach, ’s a cheill; Ann ’s nach bu leir dhuinn failigibh; Mach o’n Eug du chuir an ceill, Nach bheil gach crè ach bàsmhorach. Tha do chairdean fal’, a’s feola, ’S do luchd eolais cianalach, Airson do ghearraidh a’s an t saoghal, Mu’n robh a h-aon diu riaraicht’ dhiot. ’S e cùis am broin, nach d’fhag thu beo dhuinn, Fear co og, ’s co ciallach riut; Mu scriobhar cliu do bheath air t’ uaimh, Gur lionmhoir’ buaidh, na bliadhnaichean. Ged bhiodh do ghnuis air duine bàth, Cha bhiodh a bhàs neo-thùrsach dhuinn; A’s dheanadh d’ fhoistean, a’s do chail, [TD 270] Am fear bu graist’ cho cuirteach dhuinn, An tuigse gheur a liutha sgeul, ’S a’ ghibht a b’ fhearr gu ’n cuimseachadh; ’S tu seud bu Iain’, tighinn huig gach la, De ’n t-slig’ a b’ àilte cuimteachd. ’S lionmhor cridhe a thuit a bhàn, Mu’n cuairt air la do thiolacaidh, Bha ’g earbsa cinnteach ri do linn Bhi suight’ an inntinn shior-bheartaich, Bha ioma ceud dhe t’ fhinneadh fein Ag deanadh feum mar iomhaigh dhiot; Ach dhearbh an leim so dhuinn gu leir, Nach bheil fudh ’n ghrein ach diomhanas. Co an duine thug ort barr Am breith, am pairt, ’san iunnsachadh; Na co an aon a sheasas t’ait Dhe’n th’air an cradh ga d’ iondrain? Gach beag, a’s mor, gach sean, a’s og, Le gul, a’s deoir ga ’n ceannsachadh, Ge tric le bròn bhi tuisleach oirn, Cha tig an corr le aon duine de. [TD 271] Tha sinn uile ’n ioma truas, Na bha mu’n cuairt do d’ Theaghlaich-sa; Bhi gun aon a measg an t-sluaigh Gu deanadh suas do chall-sa dhuinn, Do thomult mor, do chomann còir, Do chomas deonach, gealtanach, Chuir buile bhròin ’s na huile pòit, ’S a chuir gach ceol o Bhealthein uainn. [TD 272] TILLEADH a Mholaidh mhasgulaich leis a Bhard cheudna *. THA cuid de na Bardaibh, Aig a’ mease th’a cheard, na’n t-sealbh; Cuid nach amais air fìrinn, ’S cuid eile dhiu dh’ innseas i searbh, Moladh bheartaich tha lathair, ’S a’ cuimhneach a chairdean tha marbh; ’S luaith’ ’n teanga na maistreadh, Cur faobhair a mhasguil air falbh. Mac co-altaidh Choirneil, Thuirt Alastair so ghradhach riut, Thug e’n tiodal mar b’eol da, O nach b’aithne dha’n còrr a thoirt duit; Ach ’n’air rinn e do sheideadh, * The Bard, in this satire, endeavours to expose those groveling poets, who do not make the proper distinction between virtue and vice; but are ready to prostitute their talents to extol the most unworthy, provided they have a prospect of being rewarded for their trouble. [TD 273] Bha do sheubh ri dheudaichs’ na phut; Ciod sam bith rud a’s fhiach thu, Gheibh thu mach gur e ’s crioch dha ’n glut. Tha mise fein dol air m’uilean, Ged tha na ceudan a’ cumail rium taic, Ge do sheidinn fear t’onairs’, Tha mi geur ann am barail nach peac’, Bithidh mo cheard duit na’s daoire Na bha ’m bard ud, ge caomh leis tombac, Ach dheanain moladh nach b’fhiach thu, Chionn ’s gu mathadh tu’m bliadhna dhomh ’m Prac. Bharabra nighean Iain, ge ard thu, Cha do shaoil mi gu’n d’fhas thu co baoth, ’S gu’m biodh bleidireachd mholaidh Togail t’aignidh o’n talamh le gaoith, Cha deach mathas ort aireamh, Mach o t’fheabhas gu bairaigeadh bidh; Faodaidh buaidhean co moltach Bhi san aon nach eil beartach, ’s nach bi. Ge math biadhtachd teallaich ’S ioma gniomh th’ ann ar comas na’s mò, [TD 274] ’S buaidh a’s minic a dh’eirmis Air bhi’n cuideachdas farmad, a’s tnuth, Iads’ bhitheas beartach de starnaibh, Ni iad fialachd ardanach ùr; Gheibh iad cus a bheir rum dhoibh, ’S bithidh gach glutair na thrompaid d’ an cliu. ’Nuair a mhol e do bhrathair, Cha robh dig mu na d’ fhag e de chloinn; Ach o’s tus’ a bh’air laraich, ’S do bhuailtean lan sa’ cheart am; ’G radh gu’n d’rainig e’n tard Righ, Gu dearbh cha chreidinn an sgeul sin a cheann; Fear nach robh anns an aite, ’S nach eil cinnte gu brath e dhol ann. ’S beag orm fhein am fear Dàna, Bhiodh ga m’ sheideadh ged fhasadh mo staid, Na sior mholadh mo shinsir, Ged bhiodh pairt diu re’n linn cur ri gaid. Ach far am bi ea troman eanchainn, Ged robh aodan co seanacair ri creig; Dhe’n stoc cha tig unsa air, Nach bi leantuin sin pund de na bhleid. [TD 275] ’S ioma cloic chlaighean falamh, Th’air a chuibhrigeadh geal as gach pac, Agus treun phearsa fhiughail, Th’air eideadh le luireach nan rag; Iads’ tha reasandach ciallach, Ge do thàr iad na cladan na’n glaic; Leis gach breitheamh tha iunnsaicht, ’S mò ’m meas air na th’annd, na na th’ac. ’S e mo bharails’ ort ardain, Gu’m bheil cuid ann an gradh air do bheus; ’S lionmhor cruth anns an tàr thu, Gus t’uaill a chàradh na’n crè; ’N’air bhitheas pearsachan fiughail Ga do chartadh o’m buthanan fein, Bithidh tu cinnteach a cònuidh Anns na h-inntinnean gorach gun cheill. [TD 276] MARBH-RANN do Rob Donn, Primh-Bhard na h-Airdetuath, le Deorsa Morison. NAIGHEACHD fior, a chaidh aithris Nuas thar a Bhealach an de, Leam a’s duilich a chlaistin, Nach robh ’n sgeul ud na bhreig. Tha e dearbh nach cum pairtean, Na ciall Naduir o’n Eug; A’s Rob Donn air a chàradh ’S an ùir, aig Bàs air a chlaoidh. Fhir bu chomasaich inntinn, A bha gu cinnte de’n àls’, A reir a cho-throm a fhuair thu, C’ait’ an cualas na b’fhearr? Measg do cheadfadhan buadhach, ’S tu fhuair an tiodhlac a b’aird; Beul a dheanadh, ’s a sheinneadh, Gu ro ghrinnail an dàn. Thainig smal oirn le cianalas, O na thriall thu do ’n ùir, [TD 277] Fhir bu chuimseich’, ’s bu chiallaich’, Bu mhor t’fhiach anns an duthaich, O’n bha nadur co fial riut, Tabhairt ciall dhuit, a’s iuil, Thog luchd teagaig a’s riaghlaidh, O do riaghailteans’ iuil. ’S minig shoillsich do dhànaibh Ni bheir aireamh fudh smal, ’S co b’e leanas do Shaothair, Chi e fein gur ro ghlan, Gu’n robh do chomasan arda Os cionn aireamh dol thar, Mar tha cliu na Reul tuatha Thar gach reannag tha shuas a toirt car. Filidh ciallach na h-Alba, Rinn na marbh-rainn a b’ fhearr, Leughar ulaidhean t’inntinn A measg seinn do chuid Dàn; Cha chan mise mu d’ chliu-san Leath ’s a b’ fhiu thu gu brath, O nach togt’ as an ùir thu, Thabhairt iuil domh na b’ fhearr. [TD 278] B’e mo thoil gu’m biodh t’orain, A’s do chòradh ’n robh chiall, Air an cur ann an ordugh, A’s an clodh le deagh rian; Chum ’s gu’m faiceadh an saoghal Meud na maoin a bha d’ chliabh, ’S gu’m b’e ’n rùn na deagh bheusan, Rinn thu fheuchain gu fial. Smaointean beartach, ro ghniomhach. Air siubhal diamhair a leant’, Tional ailleagan naduir, Gu rusgadh aill’ do gach neach. ’S tus’ an seillean gle chùraidh, Bha taitneach, iular, ro mhion; Cha robh luibh air an suibh’ladh, De nach driuchdadh tu mil. ’Nuair bhitheas uaislean na siorrachd A’ dlu thional le’n cuirt; Cuid de’m miann, a’s de’n aidhir, Thu ga’n taoghal gu dlu; Chuireadh cuimse do cheill-sa Ceol nan teudan air chùl; [TD 279] Ged tha thu gu h-iosal An tigh di-chuimhn’ na h-ùir. Bu mhor do rum anns an t-sreath, ’N’air shuidheadh maithean le cheile; ’S mor a’ bhearn thu an comhdhail, Latha moid, agus feill, Eadar comasan t’inntinn, Agus doimhnead do cheill, Co chuireadh ort toimhsean Ann an còradh le beul? An duine ’s maiseich’ ri fhaotuin, Cha’n fhear eas’ tha gun lochd, ’S duine foirfe am beusan ’S deacair fhaotuin an nochd. Gu ’m bheil cuid air deagh bhuaidhean Nach dean luaidh, ’s nach toir toirt, Ach mar chuileagan fiaghaich Ruidh, ’s a’ pianadh nan lot. Co luath sa chaochail am bàs thu, Chaill luchd dhànaibh am prop. Cha robh foill do na Bardaibh [TD 280] Bhi ga t’arachs’ mar thop. Na ’m biodh tomhas na d’fhoghlum Do reir do cheill an robh stoc, ’S e mo bheachd gur tu fein Aon a’s geir’ thig air Pope. Bu tus’ an duin’ a bha eudmhor Airson eacoir a chlaoidh; ’S tric a chronaich thu geur i Ann am beusan an daoi; ’S minig fhuair thu do shàrach, ’S bhiodh tu craiteach da chionn; Bhiodh iad dhuit-sa nan naimhdean, ’Nuair b’e cairdeas bha t’uigh. Tha do shaothair co pailt, ’S nach eil i ’n aire mo chuid rann; ’S na’m biodh an còrr ann mo chomas, B’e mo chomain a bh’ann. Bithidh mi ’g aithris na rinn thu, O’n bha toillteanas ann; ’S mò chuireas e chliu ort, Na na chuineas mi m’ cheann. [TD 281] RAINN do Mhaistir Donull Mac Neacail, Ministeir a bha ann an Lismor, le duin’ uasal araid ’nuair a bha è na sheasamh ag uaimh. NEONAN bhàn a’s ailli snuadh, Sgaoil gu cairdail thar ’n uaimh, Na shine ’n so tha ’n laoch-treun, Bu mhor a mhath, ’s bu bheag a bheud. Tha Cheolradh brònach air gach taobh, Cha chluinn iad tuille chòra gaoil, ’Na chadal trom tha ’m Fiughaidh còir, Bu grinne beus, ’s bu caoine glòir. Cha’n fhaic an taineol tuill’ a ghnuis, A sgaoileadh fuachd, ’s a ghluaiseadh run, Tha’n gaire bla, ’s an fhailte gun sheall, Air caoch’ladh dreach, san cleachd air call. Faodaidh ’m fear a thig an cein, A sgeul a dhathadh reir a bheus, [TD 282] Dh’ innseadh dha gun threig am beul, A mhaoladh gath nan teanga breig. Fhir a Shiubhlas thar an raon, O! faic an cròan boidheach aoil, Thig as doirt an sud do dheur, B’airidh easan tha fudh ’n fheur. Eoin a’s moiche dhuisgeas fonn, Taomaibh ’n so ar ceolan trom, Bitheadh ar guth gu tiamhaidh tric, Bu bhinn a bheul-san tha fudh ’n lic. Ghrian a’s ailli ceuman shuas, Doirt do ghathan bla mu ’n uaimh, Samhla do dhearsa cridhe ’n trein, A chi thu ’n so fudh smachd an Aoig. Bhean na ceille, ’s caoine snuadh, Na biodh do dheoir a’ ruidh co-luath, Cha mhair an cadal so a chaoidh, Chi thu fhathast rùn do ghaoil. Chi thu è san t-saoghal chian, Mar dhearsa grein’ nach caochail sian, [TD 283] ’N sin sguiridh bròn, as sileadh dheur, ’S cha sgar am bàs sibh chaoidh o cheil’. Chlann mo ghraidh, a’s ailli dreach, Na bithibh ’n cònuidh chòir nan leac, Ged chaill sibh athair, baighail, ciuin, Tha aguibh fhathast reul ’g ur stiuir. ’S ni ’n alla ghlan, gun smal, gun smur, A d’fhag e air an taobh so ’n ùir, Cairdean duibh sgach aite an teid, Cha’n eagal duibh, ’s leibh gradh nan speur. [TD 284] RAINN do Bhaintighearna chliuiteich ann an Ceanntire, le duin’ uasal araid. DHIULT a Cheolradh an còra binn, A’s cliu nan treun cha’n eirich leam, An lannaibh boisgeil cha’n eil m’ uigh, A’s flath am feirg cha deilbh mi chaoidh. ’S ann tha mo thlachd, ’s mo ghean ’s an uair, Ag fàs o’n aill’ a thar gach buaidh, Bean thug barr air mnaibh ’n t-saoghails’, Co fad’ ’s tha ghrian oscionn nan Reul. ’S e gliocas, tuigse, mais’, a’s beus Toradh na geig’ a’s caoine cruth, Tha cridhe fial mur ghrian nan speur, ’S a run ga reir nach caochail tnuth. Mur àin’ an la tha bla shuil ghrinn, Ag dusgadh sòlais ann sgach cridh’, Tha seirc na h-aodain chaomh, ghil, uir, A bhuirigeas gradh, ’s a tharruingeas run. [TD 285] Tha cneas mur shneachd san fhireach ard, ’S a gruaidh mur chaor’n air bharr nan dos, Tha muineal bàn mur chanach càir, ’S a bilibh bla air dhreach nan suth. Tha mala chaol nach caochail gruaim, ’S a h-inntinn shuairce faor o ghoimh, Tha mile buaidh, nach tar mi luaidh, Cuir sgeimh na gluasad, ’s uaill na gean. O chlann an t-saoghails’ gluaisibh ciuin, ’S na lubaibh ’m fuiran ùrghlan caoin, Dearcaibh le h-iongna air a gnuis, Ach seanaibh a cliu le run gun bheud. O Fhlaitheas ard’ le sgaile caomh, Sgaoil amach mu ceumaibh aidh, ’S le feile reir a cridh’ ’s a beus, Doirt mu ’n cuairt d’i chaoidh do ghras. Mur reul air talamh fag i cian, A chum ’s gu’n triallamid na boisge, ’S gu’m foghlumaid o gluasad aillt’, Na ceumaibh ’s fearr dhuinn anns an t-saoghal. [TD 286] Do bheul a’s blasda a labhras gloir, Do chridhe còir ’s nach cònuich ceilg, B’e mo mhiann gach ial ri m’ bheo, Bhi ’g eisdeachd ri do chòra soirbh. Tha iochd, a’s gradh, a’s fiughantas, Ag fàs gu dlu na d’ chridh’, Tha blas, gras, as carantachd, Gun dealach uat a chaoidh. Cha b’iongna leam do nòs bhi coir ’S na curaidh mhòr o’n d’rinn thu fàs, B’e ’n abhaist riamh bhi fial le deoin, ’S le cridhe soghradhach làn baigh. Bithidh mo ghuidh-sa dhuit gu buan, Am fad’ sa ghluaiseas mi fudh ’n ghrèin, Gu’m faith gach sòlas ort a bhos, Le sith a’s fois oscionn nan speur. [TD 287] DAN le Eachann Mac Leoid, a bha ann an Uist a Chinn a Deas. Moch madain Cheitein ri ceo, ’N am do’n ghrein togail o neul, Chunnaic mi sealladh sa’ bheinn, ’S eibhinn ri eisdeachd mo sgeul. Bha dearsa le teas ag cur smuid A bruachan molach fraoich, ’S bha dealradh nan gathanan bla Cur sgeimh air cuirnibh nam braon. Bha dealt ag druichdadh gu grinn, ’N am sgapadh do dhubhachd o cheo, Na paidirean air an fheur, Mar leug fudh sgeimh an òir. Bha maghanan milteach feoir, Bu mheilbheagaich’, dhitheanaich’ bla, Air gach taobh dhe ’n uisge chruaidh, Bu luath mu thuath a ruidh balbh. [TD 288] Bha neonan, a’s sobhrach gu dlu, Creamh, agus biolair ag fàs, Air aileanaibh aimh-reidh, ’s air loin, Far ’m bu lionmhoire ros geal, a’s dearg. Bu ceolmhor, ceileireach eoin Air ghriananaibh eireachdail ard’, Ag freagradh a’ cheile gu grinn, Cha’n fhaighte ’n cuirt righ na b’fhearr. Chunnaic mi’n uaigneas leis fein, Ag eisdeachd ri torghan nan eun, Air leam, de’n chruthachd bheò, An aon duin’ og a b’ aillidh sgeimh. O nach robh de fhearaibh chaich, Ach easan, a’s mi fein sa’ ghleann, Smuainich mi gu’n gabhuin sgeul, Co e fein, na’m faighin de caint. Thainig e gu tosdach, mall, Gu foidhidneach, foistineach, ciuin; Labhair e’ fosgarach, readh, A ghabhail sgeil[?] thainig thu. [TD 289] Mu ’s math leat naigheachd a thoirt uainn Gu maithean Albain gu leir, Amhairc gu geur fada uat, ’S chi thu na sluaigh na’n lan fheirg. Chunnaic mi’n fhairge mar choill’ Le crannaibh loingeis làn ard, Le brataichean onasach, ùr, Air leam, gu’m b’ann as an Spainn. Chunnaic mi cabhlach ro mhor, Gu gàireach gabhail gu tìr, Bu luchdmhor, làn athaiseach iad, Suaicheantas Francach na’n croinn. Thainig na sluaigh sin gu tìr, ’S cha b’ uaigneach an gluasad o thraigh, Bha lamhach nan Canan, ’s am fuaim, Ag gluasad air chrith na’m beann ard’. Chualadh mi Coileach ’s e gairm, ’S e bualadh a sciathan gu cruaidh, A’s thuirt an duine math sin rium, Nach cluinn thu Coileach an Airdetuath. [TD 290] Chunnaic mi tighinn air thùs Stiuartaich, cinneadh an Righ, Na’m bocanan gioraig san leirg, Dhearg an airm le fuil san stri. Thainig Clann Donuill na’n deigh, Mar chonaibh conaidh gun bhiadh, Na’m beuraichean guineach, geur, Ann an guailibh a cheile gu gniomh. B’àluinn, dealbhach, am breid sroil Air a cheangal ri crann caol, An robh caisteal, bradan, a’s long, Lamh dhearg, iolair a’s craobh. Bha fraoch os cionn sin gu h-ard’ Ceangailt’ am barr a chrainn chaoil, Bha sin ann, a’s leoghan dearg, ’S cha b’àite tearmaid a chraos. Tharruingeadh na sloigh air sliabh Fife, An coinneamh ri cath a chur, Fhuair iad brosnacha lior mhear. Thug eirigh le buirbe na ’m fuil. [TD 291] Chlannaibh Milidh mosgailibh, Is somalta, cian ur cadal, Teannaibh ri dioladh Chuilodair, Dh’at na fiachan so fada. Toisichibh gu h-ardanach, Gu bras, rioghail, mordhalach, Gu mear, leumnach, dearg-chneadhach, Gu luath-lamhach, treun-bhuilleach. Gu aigneach, ain-sgianach, Gu an-athach, namhadach, Gu mion-chuimhneach, dioghaltach, Gu gruamach, fiata, an-trocaireach. Gun tearmann, gun mhathanas, Gun ath-truas, gun bhuigeachas, Gun imnidh, gun eagal, Gun umhail, gun fhaicill. Gun fhiamh, gun an-mheisnich, Gun chùram, gun ghealtachd, Gun taise gun fhaiteachas, Gun saidealtachd, gun uamhann. [TD 292] Gun eisiomail, gun umhlachd, Gun athadh do namhaid Ach a gabhail romhaibh thoirt iuir Ag coisneadh na cath-laraich. Chunnaic mi air leath o chach Tri leoghain a b’fharsuine craois Thug iad tri sgairtean co ard’ ’S gu’n sgain creagan aig mead nan glaodh. Bha leoghan diu sin air chreig ghuirm, Dh’a’m b’ainm Iain Muideartach òg, O’n Chaisteal tirim, ’s o Bhorgh, De shliochd nan Collaidh bu bhorb colg. Thog sean leoghan luath a cheann, ’S a chas rioghail an Duntuilm, Dh’a’m bu shean eireachdas riamh, Buaidh nan sliabh an càs a chruin. Thainig an treas leoghan diu O’n choill’, ’s o gharaidh nam bàrc, A’s dh’orduigh iad pairt dhe’n cuid sluaigh Dhol a thiolacadh nam marbh. [TD 293] San an sin a thaogh iad Oifigich an-diaghaidh, an-trocaireach, an-aobhach, an-athach, an-iochdmhor. Agus thaogh iad cuideachd de bhorb, bhrothach bhodach, dh’a’m b’airm chosanta spaidean, agus sluasaidean, gu tiolacadh nam marbh, agus gu glanadh na h-araich. Aonas amharra a Eigneag, Calum crosda a Gruluinn, Eoghann iargalta a Crasabhaig, Dughall baloch a Gallabaidh, Nial eangharra a Raimisgearaidh, agus Donull durrgha a Geras. Chunnaic mì’n Gleann soileir uam, An robh eireachdas thar gach gleann, B’ airde cheileirich’, cheolmhoir’ fuaim, Glaodhaich nan cuach os a chionn, Theid fargradh feadh Bhreatain gu leir; Eirigh gu feachd fir gu leoir, Chi sibh na Gail ag triall Le rioghalachd mar bu còir. [TD 294] MOLADH do Choileach Smeoraich leis a Bhard ceudna. MOCH madain shamhraidh, am mios fàs nam meas, ’N’air bu ro aluinn fudh sgeimh gach lus, Bha cuibhric, air dhreach criostail de an dealt, Na dhlu bhrat ag còmhdach gach cnoic. Anns an àm sin, am molaiche le duilleach gach craobh, ’S ro bhoidheach gach tullaich fudh bhlath, A’s nuallanach gach uile spreidh, A’ geimnich ri cheil’, iad fein, ’s an cuid àil. An ceann leath dara mios an t-samhraidh, ’Nuair is grianan gach aon ardan, ’S gach fiadhair gu mion-bhreac, boidheach, Le meilbheig, le noinean, ’s le slan lus. Bithidh crùn air gach cnocan mointich, Dhe’n driuchd fudh ’n lùb gach gas sithanach, Mu’n grioglaich am paideirean boidheach, Bithidh cuirn air gach feornan mar airgid. [TD 295] ’Nuair bhitheas seillean làn sòlais Deilleanachd a measg nan dithean, Cop meala mu ghob a chrònain, Ag deogh’ladh nan geugan mine. ’Nuair bhitheas gach ailean, ’s gach doire, Le blath uaine fudh lan toraidh, A’s meanglain gach craoibh sa’ choille Cromadh fudh throm nam meas milis. Chualas co-sheirm binn, ceolmhor, Beagan roimh eirigh na greine, Aig coltas coileich na smeoraich, ’S maistir mac stallaidh ’g a bheusadh. ’S ann an sin a chualadh mi’n ceileirean binn, Bu curaideich seinn, gu cuimir, ’s gu luath, Air feadan ga m’fhreagradh, gach sealan sa’ bheinn, Ann an eirigh na greine, ’sa’ mhadain di-luain. B’e sin an ceol caoin gun tuchan, gun sgread, Gun eislean, na stad na chliabh, na na ghob, Bu mhilse na binneas nan teud air fad, ’N’air ghearradh e fead an deireadh gach puirt. [TD 296] ’S iad sin na puirt a bha binn, mion, bras, Neo shaoth’reach ri’n seinn, gun ochain, gun chnead, Bu glan sgeimh eadaich an eoin, ge bu lag; An robh na h-urrad de thlachd, ’s e na luidh air an nead. B’annsa leam na fiodhall, a’s piob, Bhi tamul dhe m’aimsir na m’shuidh na choir, O’s ann aig tha na puirt a b’fhior channaiche rainn, ’S bu ro ealanta seinn gun aon bhuile meoir. Bheirinn comhairle trà air gach nighin, a’s mnaoi, Gach laidir, gach lag, gach beartach, ’s gach bochd, Iad a mholadh Oid-iunnsaich an eoin, gu beachd, Le h-inntinn cheart, gu h-an-moch, ’s gu moch. [TD 297] CORADH eadar Fear turais, agus sean Chaisteal Inbhir-Lochai. F. AIBHIST fhuar! gun tuar, gun dreach, ’S mor an caoch’ladh th’ort air teachd, Bha thu uair na d’ aros Righ, A’s tu gu stuaghach, arda, grinn; Tha thu ’n diugh na d’ bhuaile bhò, ’S còineach uain’ teachd roimh do chòis, Feur mu d’ mhullach shuas a’ fàs, ’S do bhalla claonadh sios gu làr, C. ’S aobhar broin do chòra leam, ’S mi’n so mar cheo a chòir nam beann, Fudh thàir gach neach a tha fudh ’n ghrein, ’S fudh thaom gach sian a thig o’n speur. Tha daoine suarach, beag na tir, Gun tamh gam’ reubadh, ’s gam’ chuir sios, Cha nàr leo clach a thoirt am’ sgè, ’S a cuir na’m bothain bhrusgach fein. [TD 298] ’S cinnte leam gur fior do sgeul, ’S e sin tha t’ aogas cur an ceill, Gu’m bheil gach aon aig toirt dhuit bèum, O tha thu aosd’, a’s tu gun fheum; Ach c’uim’ nach cuireadh tu na’n smùr Gach neach a gheibheadh tu’m mi-rùn, ’S nach eil aìg cuimhneachadh nan treun, A chònuich uaireigin fudh d’ chle. C. ’S usadh a radh, na chuir an gniomh, A laoich ghlain, nach facadh trian Dhe na d’fhuilig mise a bheud, O theich mo chairdean uam an cein. Tha mo naimhdean air gach laimh Am meas, ’s a’ miagh aig siol nam fanm; An canmhuin cha tuig mi gu brath, Cha’n ann na m’ bheanntaibh rinn iad fàs. F. ’S deacair leam gu’m faod’ mi ràdh, Gur tric am chluais an fhuaim nach àill, [TD 299] Ach ’s eigean giulan leis san àm, O tha ar gairdeanan co-fànn; Ach ’s duilich leam mar tha do dhoigh, Aois ’g a d’ chlaoidh gun chaomh a d’ chòir. Gun duil am feasd ri sliochd nan treun, A b’uaisle gnàs, ’s a b’ àilli ceum. C. Dhuisg mo bhròn le d’ chòra graidh, ’S tha deoir aig ruidh o m’ shuilean fàs, ’S caomh leam iomradh air na trein, Ge fad a ghluais iad uam an ceum. Bha uair a bha mi aluinn, ùr, Righrean, ’s Flaithean ann mo Mhùr, Na’m faiceadh tusa fein an lò, Cha b’iongna leat an diugh mo bhròn. Ach threig na trein, a b’ fheili gnàs, A’s d’fhag iad mise falamh, fàs, Gun neach san t-saoghal dh’a’m bheil suim, Ge d’ chite mi na m’ laraich luim. Ach innseam dhuits’ a mhacain bhig, ’S na ceil’ e air an àl, a thig, Gu’m faicear mise na m’ thigh Righ, [TD 300] Mu’n tig an saoghal so gu crich. Nis beannachd leat, a’s gabh do cheum, A’s aithris anns gach tìr da’n teid, Gur ann an so a bha na trein, Nach eil an samhla’ an diugh fudh ’n ghrein, ’S nach bi gu’n till mo ghineal fein. Beannachd leat sann diu thu fein, ’S mu bhitheas tu beo bi tric aig m’fheisd. [TD 301] MARBH-RANN do Rob Ruaidh Mac Ghrigoir. RINN mi suidh’ aig a charn, Ghabh mi mulad nach gann Mu’n sgeul, thain’ a nall an rathad so. Rinn mi, &c. Gu’n robh gaisgeach mo ghaoil Na luidh air a thaobh, Mo chreach! rinn an t-Eug thug farraid ort. Na’m biodh teanga na m’ cheann, Dheanain labhairt san am, ’S cha bu duilich an rann so gabhail domh. O’n a dh’eirich a ghaoth, Leis na leagadh a chraobh, Tha sinne gu caointeach, gearanach. Bu tu seabhac an t-sluaigh, Ris an cainte Rob Ruadh, ’S math thig breacan mu ’n cuairt, a’s claidhe dhuit; [TD 302] Mar ri dag a chinn òir Air a chriosan, bu bhoidhich’, Cha bu tais ann an tòs catha thu. Sàr mharcach nach fann Air cursain nan srann, Srein mhaiseach na’n ceann b’e t-aidhir e: Tha do chinneadh gu leir Fudh mhulad na d’ dheigh, Ach ’s e ’s truaighe do cheile mna dhe. Ge do mhairtheadh i og, Mar a bha i an tòs, C’ait’ am faigh i ri beo do leithid-sa? Cha toir fiodhall, na dan, Air a cridhe gu brath Dol a ris co ard’ ’s a chaidh e. Bha thu borb ann an strì, Bha thu ciuin ann an sìth, Bu cheannard roimh mhile claidhe thu. [TD 303] Tha Grigoir glun dubh an tràs, Fudh mhulad, ’s fudh chràdh Nach d’fhuair e teachd trà gu t’amharc-sa. ’S amhail sin tha mi fein; Ach do mhacaibh tha d’ dheigh, ’S e mo bharail nach treig iad fhathast mi. Cuiream Colla air thùs, Agus Seumas nan Tùr, Agus Raibeard b’e ’m fiuran flathail e. Agus Raonull mo ghaoil, Bheireadh giubhas a craoibh, Sud an suaithneas, nach caochail dathanan. D’fhalbh sealladh nan sul, A’s stad an teanga a b’fhearr luth, ’S tha’n t-sluasaid, ’s an uir a’ feitheadh ort. Mar tha Biobal na ’m buadh, Ag labhairt gach uair, Nach mairth duine buan ’s a’ bheath-so. [TD 304] Gur gile do thaobh Na’n sneachd air an raon, Bha uails’ anns gach taobh o’n gabhar thu. Bu bhoidheach sealladh do shul, Cha’n eil Morear, na Diuc, Air nach buinigeadh tu’n cuisibh seadhachais. Ge do shiubhlain leam fein Gu iomall an t-saoghail, Cha’n fhaigh mi a chaoidh do leithid ann. Mach o oighre Dhuin-cuach, A bhitheas a nise fudh ghruaim, ’Nuair a chluinneas e’n fhuaim nach aidhir leis. Ach mar tigeadh am bàs, Co ath ghearr na d’ dhàil, Gheibheadh tu onair na b’airde fhathast uaith. END OF FIRST VOLUME. [TD gun àireamh] COCHRUINNEACHA TAOGHTA DE SHAOTHAIR NAM BARD GAËLEACH. A CHOICE COLLECTION OF THE WORKS OF THE Highland Bards COLLECTED IN THE HIGHLANDS AND ISLES. BY ALEXANDER and DONALD STEWART, A. M. “Illa pharetratis est propria gloria Scotis, Cingere venatu saltus, superare natando Flumina, ferre famem, contemnere frigora et æstus; Nec fossa, et muris patriam, sed Marte tueri; Et spreta incolumem vita defendere famam Polliciti servare fidem, sanctumque vereri Numen amicitae, mores, non munus amare.” IN TWO VOLUMES. VOL. II. Duneidin: CLODH-BHUAILT LE T. STIUART. 1904. Entered in Stationers Hall. [TD 305] COCHRUINNEACHA TAOGHTA DE SHAOTHAIR NAM BARD GAELEACH. ORAN eadar Dughall, agus Donull, ann am bheil cor truagh nan Gael, dh’a’n eigean an tir fein fhagail, air a leigeadh ris. Air fonn—“Mac an Tuathanaich.” DU. M’INNTINN cha’n eirich ri ceol, Mo chridhe tha làn de bhron, Trom muladach tinn, ’S goirt cradh mo chinn, Ri caoidh na bheil marbh, a’s beo, De m’ chairdean glan ur, [TD 306] Tha cuid diu san uir, ’S cuid an duthchana fada o laimh. Och m’amhghair geur! Còrr itean mo sgè Air an sganradh gu leir, Gun a h-aon diu le cheil’, B’e m’aidhir an t-eug bhi m’ chòir. Ach co so a chi mi nall? ’S e mo charaid ciuin, caomh, gun mheang, Mo chompanach ùr, A’s flathaile gnuis, Do bhriathran tha muinte, mall. ’S eatrom, socair, do cheum, Cha dochuinn thu ’m feur, A’ coiseachd air taobh a ghlinn; ’S dearg bilibh do bheoil, Mar chaineal do phòg, Do ghruaidh mar an ròs, A tarruing na m’ chòir, ’S e do lathaireachd a d’ fhogradh sgraing. DO. O Dhughaill! ciod a chuir thu leat fein, A’d’ shineadh fudh ghruaim air an fheur, [TD 307] ’S na deoir silteach mu d’ ghruaidh, Ag nigheadh do ghruaig, ’S mor m’eagal gun d’fhuair droch sgeul. Tog ealamh do cheann, Ni sam bith a ta ann, Na ceil e san am uainn fein; Co dhiu ’s beatha, na bàs, Na buaidh do namh. An cogadh, na’n blar, Gus an cluinn mi e, Tha m’aigne fudh chradh le pein. DU. O Dhonuill a ghraidh mo chridh’! ’S e d’fhag mi trom, muladach, sgi, Bhi smuainteach an cein, Air gach bochdain tha m’ dheigh, ’S mo chairdean gu leir bhi m’ dhith. Cha’n ardan, na stoirm, Cha ghruamaich gharg, bhorb, Cha chogadh, ’s beag orm, na stri; Ach Ila bhi gann De’n oigridh a bh’ann, Chaidh am fuadach o laimh, [TD 308] Do dh’ America thall, ’S gu’n neach ann am bheil daimh, na sith. DO. ’S tim-chridheach, traileoil an tùrn, Do neach ris an earbamaid tùr, Gliocas, foghlum, a’s tlachd, Cliu, urram, a’s neart, A’s seasamh calmurra, tapaidh r’ar cùl; Gu ’m biodh aghaidh gun fhònn, Osnaich tric o a chom, Deoir a’ sileadh gu trom o a shuil. O Dhughaill mo nair! Cha do shaoil mi gu brath Gu’m faicinn an la, Ann am biodh tu d’ thràill, Gun spiorad, gun chàil, gun sùrd. DU. O Dhonuil! cha’n eil mis am thràill, Oir ’s toileach a d’fhuiligin am bàs Ann an onair mo dhuthach, M’fhuil dhuraigin bhi drudhadh, ’S a còmhdach mar dhriuchd an lair. [TD 309] Ach tha saigidean na m’ chre, Nach leighisear le leighe, Guineach, goirt, le ùr chreuchd gach la. Bhi faicinn dol sios, An tàit’ an robh na fir dhion, Air a chreideamh tha fior, ’S a chuireadh ceartas an gniomh, ’S gun fhios domh cia’n tìr an tamh. DO. Do chairdean d’imthich fudh sheol, Do rainig ead sabhailte beo, Dh’ionnsaidh fearain an aigh Am bheil tlus, agus blàthas, A bhuilich an t-Ard Righ oirn, ’G ar tabhairt o’n Eiphit, Ann am bheil sinn am pein, ’S nar traillean gu leir gun treoir; Sinn gun fhuran, gun fhònn, Fudh uallaichean trom, Sinn ruisgte gle lom, ’S ar cridheachan tollta, Air leaghadh ’nar com le bròn. [TD 310] Fhuair mi litir sa mhadain Di-luain, A dhearbh an dol sabhailt’ thar cuan; ’S an uair a ghabh iad mu thìr, Bha iad subhach le fion, ’S feisdean taitneach ’g an diol gun ghruaim. Ceol loinnail ’g a sheinn, Le fidhlearan grinn, Oighean mireanach ’s binn ghlan fuaim, Pioba pronn mhor, ’s cruaidh sgal, Luth mhor, bhinn-fhochlach mear, ’Nuair sheinnte gach car Leis na laoich mheanmnach, dheas, Leo ruagadh gach smal, ’s gach ruaim. Na h-eoin bhuchallach, ghrinn a’ cuir beus, Seinn gu triolant air bharraibh nan geug, Beanntan, coilltean, a’s glinn, Co fhreagradh gu binn, Do’n caithreim cuanalach, grinn, mar theud, Deochan slainte nan cuach Ga’n aisig mu’n cuairt, Measg na’m fiuran bu chruaidh ’n àm feum; Na curaidh chruaidh dhian Sheasadh daingean mar shliabh; [TD 311] Luchd nan cridheachan fial, A chuireadh gu biadh Gach truaghan bhiodh ’g iaraidh deirce. ’S iad a dh’adhlaiceadh bochdan gun stòr, ’S a phaidheadh an cosdas gu leoir. Biodh an airgid gu feum Gach neach bhiodh an teinn, Agus bheireadh do’n fheumach lòn. Bhiodh na dileachdain mhaoth Mu theaghlaich gach aoin, ’S labh’radh riu gu caomh gun bhrod. B’iad na cairdean gun ghruaim. Do bhantreabhaich thruagh, Ga’n tabhairt o’n uaigh, ’S ’g an còmhdach o’n fhuachd, ’S ’g an càradh suas mu ’m bhord. Am bheil sonas, bheil tlachd, na’m bheil gradh, Am bheil seircealachd annuinn, na baidh, Am bheil sean spiorad na Saors’ Na thraill aig an Daors’, Na’n do ruidh mach aois na prais [TD 312] Le aois an airgid, ’s an oir; Am bheil ceartas saltairt fudh ’n fhoid, An d’eirich aimh-reit, a’s brod an aird, ’N e aois an iarrain ata ann, Am bheil mi-dhiaghaidheachd, a’s sant, Ag foireigneadh gu teann, Am bheil breugan na’n dean Le mi-ruin measg chlann so Adhaimh? Am bheil slat chasgraidh aig Maistirean fuinn, ’G a crathadh o thuinn gu tuinn, Feum aig eigheach ’s gach aite, “Deanaibh paidhe gun chàird, Ni’s faide cha toir sinn dàil duibh, Oir tha Trati, a’s Cluchd, Ag cumail na Cuirt, ’S foill cumail gach cuis dhoibh cruinn. Sgairt feadh gach la Air mullach gach cairn, Ag eigheach gu h-ard, Ho! paidhibh am màl, An gearsom, gach cain, ’s gach suim.” [TD 313] DU. Do chridhe biodh beo gu brath, ’S an siothaimh gu’n gabh thu do thamh, Gu’m bu lionmhor do threud, Ag mireadh, ’s a’ leum Gun ghalar na’n deigh, na plaigh. Do bhuachaillean gleadht’, Na’n sineadh fudh gheig, Co-sheinn le cheil’ an dàn Air feadanan grinn, Ag seinn gu binn, Gu co-thromach cinnt, ’S an caithreim gu’n cluinnt’, Co-stri cia’n ti as fearr. Do bhan’raichean bleoghan do bhò, ’S ard chruach air na cuachan de chroic, ’N am dhoibh bhi de ’n chrodh reidh, Ni iad damhsa gu treun, ’S na laoigh mheanmnach a’ leum mun chrò; Mac Stallaidh toirt fuaim O na creagan mu ’n cuairt, Co-fhreagradh nan gruagach òg. [TD 314] Le’n cantaireachd shuairc, Nach labh’radh mi-stuiam, ’S aig na buachaillean duain D’fheuch, co ac a bheir buaidh, Na ’s tric a gheibh uath am pòg. Biodh eidhean na crùn mu d’ cheann, Gu d’ choimhead san aois a t’ann. Aois iarrain na meirg Làn stri agus ceilg, Làn milleidh, làn feirg, a’s saint; Gu frioth namhach borb, Gu fionghalach coirbte, Tha ea-coir air falbh le cloinn. ’Nuair thig fear dhiu na’m chòir, A thairigeas dhomh pòg, Bithidh scian na dhorn, Gu sparadh na m’ fheoil, ’S mar mhil feadh do bheoil tha chaint. Tha Diaghachd ceannsuicht’, ’s cha till Ceartas tuille gu’r tìr. Gaol mallaicht’ an òir, Fein speis; agus bròd [TD 315] Ag ullmhachadh dhorn gu stri. A neach a thàr a bhi ard, Tha e cumail fudh smaig Fear falamh le tàir, ’s le spid. Tha’n Rioghachd so gu leir Air ghoil feadh a cheil’; Luchd fearainn ag streup. Mar leoghain ro threun, ’S an ea-coir cha chlaon gu sior. DO. Dean deifir, ’s gu’m bitheamaid gradh fhalbh, Mu’m beir oirn gu h-uile an Stoirm. Teicheamaid gu’n dàil. Do ionnsaidh an ait’, Dh’aindeoin uachdaran nach faillg oirn; ’S am fearann, ’s iad fein, Gu’m basaich le cheil’, O na d’fhàs iad na’m beistean doirbh, Ragmhuinealach cruaidh, Gun iochd, na ath-truaghas; Iad puiseanta fuar, Ri’n iochdarain, ’s ri ’n tuath, ’G an casgairt le uallach doirbh. [TD 316] DU. Nach bochd, ’s nach duilich an ni, Gur eigean duinn teicheadh a’r tìr Le foirneart luchd màil; ’N aghaidh ceartais, a’s lagh’, O! ’s neonach an dragh sam bheil sibh. Ach cuimhnichibh ’n ràdh, Co-fhad ’s bhitheas an dàil, Nach bheil beartas a ghnà gu sior; Na gealladh air crùn Aig gineal, na glùn; Ged mhairth sibh car ùin’, Thig crioch air ur cùrs, ’S bheir sibh dioladh sgach cuis bha fiar. Biodh ur fearann gun taing ceithir màil, ’S ur gearsom biodh paidhte gun chàird. Am foghlum bheir sibh d’ur cloinn, Stòr a charnadh le foill, ’S gu meal iad mar oighreachd e. Iad gu mearganta, òg, Làn uabhair, a’s bròid, Ag seoladh gu lonrach, ard, [TD 317] Le’n sioda, ’s le’n srol, ’S le aigealain òir, Anart finealt mu’n dorn, ’S deoch bhrioghor ga h-òl, ’S iad do mhiannaibh na feol’ na’n traill. An labhair, na’m bi mi m’ thosd, Na’n eigh mi mar fhuaim an Stuic; Na’m buin e dhomh fein Aon ni chuir an ceill, Dhe’n achdan tha ea-corach cli. Mar tha sinn an tras Sior ghuidheadh a bhàis, Theachd gu’r saoradh o’n trailleachd bhochd. Tha teachd orrasan plaigh, Mar a dubhairt am faidh’, Nach cuir orraghain graidh, Na draoitheachd na tamh, Gus an lobh, a’s an cnamh i’n corp. Chaidh ar eideadh, ’s ar airm chuir sios, Mar nach buineamaid idir do ’n tìr. Ann am Babilon bha Clann Israel na b’fhearr, [TD 318] Na tha sinne an tras nar tìr, Sinn mar chaoraich gun aodhair, ’G ar sgapadh gach taobh, Leis na seannaich a d’ fhoghlum sgrios; ’G ar leantuinn gu geur, ’S ’g ar fogradh an cein, Cainnt Dhughall na’m beul, Cuir an droch-bheart an ceill, ’S mairg tharladh le feum na’n iochd. Ach na’n tiondadh a chuibheall mu’n cuairt, Gu’m b’aigeantach bheireamaid buaidh, Air na foillearan mor, Lan ceilg, agus bosd, Tha deanamh a stòr an uaill. Bhiodh na fearainn, (nis daor) Air an suidheachadh saor, ’S bhiodh gach beartach gu faoilidh, suairc; ’Nuair bhiodh iadsan ga ’n cràdh Le gort, agus plaigh, ’G am folach ’s gach àit, Agus sinne nar tamh, ’S gun am fearann os cionn a luaich. [TD 319] ORAN le Uilliam Mac Mhurchaidh duine mhuintir Chinntire, air dha dol tre eigean do’n Arm, agus mothacha’ fhaotuin air an dealacha’, tha eadar beatha an t-saigheadair, agus an tuathanaich. ’S tìm, tuirseach mo dhusgadh, ’S cha bu sugaidh mo shuain domh; Mar fhear air ùr theachd a meisg mi, Làn de bhreisleach, ’s de bhuaireadh; Le m’ath-shealladh de m’ ghòraich Làn de bhròn, a’s de uamhann: Gu’n do reic mi mo shaorsadh. Mo theaghlach, ’s mo shuaimhneas. ’S trom a chuings’ air mo mhuineal, ’S is do-fhulang r’a giulan, Gad na daorsaidh ga m’ chùradh, Mo mhaoth-chlann, ’s mo cheile, ’S gun mo ghleus air an cùmhdach, Ach an iomain air udal, ’S ud a ghuin gus a chùl mi. [TD 320] Cha b’e cealgadh, na cluaineadh, O uasal, n’o iosal, Ach an luime, ’s a cruadail, A ruaig anns an lion mi, ’S gu’n do shaoil mi gu’n cothainn Le m’chosnadh mo dhislean, No cha’n fhagainn am feasd iad Ann am freasdal na tìre. Eirich, ’s imthich a Dhuanag Thar a chuan gu Cinntìre, Thoir mo bheannachd d’a h-’uaislibh, Da ’m bu dual, ’s ata rioghail, Agus innis mo smuairean Do luchd fuasglaidh mo chuibhrich, Nach d’ fhailing mo dhòchas Gu’m foir iad a ris mi. Dean mo ghearan gu cuimhneach Ris na Dùimhnidh ghlan, uasal, Fir cheanalta, chairdeoil, A’s ro mhor damh, agus suairceas, Am pòr mordhalach, reachdmhor, Siol Airtuir nan cruaidh lann; [TD 321] Tha mi earbsach nach failing sibh Lamh chur gu m’ fhuasgladh. Clann Neil o Mhagh Sanais, Mor an onair, ’s am feile Dream chruadalach, smachdail, A d’fhuil bhras ard’ Chuinn cheud-chaith, Chuireadh ruaig air an namhaid, ’S a bheireadh cairdean a h-eigean; As ar damh, ri àm m’amhghair, Dheanain earbsa nach treig mi. ’S mor m’ earbs’ as a Bharon, Fear farasda, ceillidh, ’S mor fuasgladh d’a dhuthaich, An am an cuisibh a reiteach; ’S na bhaintighearna chliuiteich, Fuil ùrghlan nan Iarlaibh, Lan mathais, as morchuis, Gu’m foir sibh air m’iargain. Clann Donuill an Ionaidh, Treibh-bhunaidh gach uaisle, Sgeimh gach finidh, ’s deagh chomunn. [TD 322] Ard shliochd Chollaidh chath-bhuadhaich. Chuirte naimhdean fudh smachd Le fior luchd cleachdaidh gach suairceis, Sheasamh còir an luchd leanamhuinn, Bheireadh tearmunn do’n truaghan. A Cheolradh gabh sciathan, A’s ruig Triathran na feile, Agus innis do’m annsachd, Mas am Fraincis, no’m Beurla, Na’m biodh mo dha Iain An aite ruigheachd dhomh, m’eigin, Bhiodh m’earbsa nan suairceas, Gu’m fuasg’leadh iad fein mi. [TD 323] MIANN an Fhior Ghail ’nuair a bha e’n tìr Aineoil. Air fonn—“Tha mo chadal luaimneach.” ’S truagh gu’n bhi san aite, San d’araicheadh m’oig’ an tùs, ’G amharc maise Naduir, Taobh aimhne nam badan dlù; Do’n tug i, mar chaomh-mhàthar, Gach sgeimh, ’s math a d’ fheudte luaidh, ’S am bheil mo ghaol ’s mo chàirde, A’s m’ Ard-mhath, Deoghrein nam buadh. Air chluainibh glas nan seimh-shruth, Measg threud agus, uan gun fheall, A’s ghabh’raibh breac ag leimnich Feadh eidheanaich, sna creagaibh ard; San ait’ am biodh na h-eiltean Sa’ bheinn a’ dlu bhreith nan laogh, Sam falachadh bean a chaoil-bhuic Sna caoiltean a meannan maoth. [TD 324] Bithidh Iolair luath nan speur ann, Ag geur ruag’ a choileich dhuibh, ’S ’n’air threigeas luthas a scè e, ’S ro eibhinn leis dosan tiugh; Bithidh tarmach breac am beinn ann, A’s binn-fheadag, ’s coileach ruadh, ’S eala bhàn a’ seinn ann. Air linn, ’s lach air lochan fuar. Chit’ muintir an t-sruith gheimnich Ag eirigh re easan garbh, ’S an tuil ag teachd na taomaibh, Le beucaibh, a’s airde toirm, ’N’air tharlas dha bhi ’g eirigh, Ag reubadh nam bruach, ’s nan crann, Thig creagaibh trom o’n airde, ’S bithidh tairneach, ’s crith thalmhuin ann. Bithidh creag air chreig ag spealgadh, Le garbh-thoirm an grund an eas, Uisg’ ’g eirigh suas na neulaidh Sa ghrein feuchaill bogha frais. Cha mhair neach fudh ach maighdean, Ni aoibhneas na h-uaimh fudh ’n t-sruth, [TD 325] Na amhasg oilteoil, fiaclach, Na iasg teich’ o’n dobhar chu. O choiribh goileach, iochd’rach, Thig iasga mar shaighid a’ ruidh, ’S tuitidh ris na’n siamain, Le sciath sgaoilt’, a’s earr air chrith, A’ sin theid iad do ionnsaidh Sruith seimh-ruidh nan innse glas, Na lubaibh bhitheas ag tiondadh Gu cheann brath bhi dol air ais. Leam b’ eibhinn bhi sna criochaibhs’ Le iasg-shlait, sa’ cheitein chaomh, Ag mealladh luchd nan liath-lann, Na fiaghach le Spainneich chaoil; Na m’ shineadh ’n dosan boidheach, Re sòlas fa cheol nan eun, Ag eisdeachd lòn, a’s smeorach, A’s crònan nan seillean crian. Bhiodh leabhran ann mo phòcadh Gam’ sheoladh, am’ chaint, ’sam’ smuain, ’S am bheus: a’s na’m tu cheol domh; [TD 326] Bu shòlasach Dànaibh Fhiann. Bhiodh cairde fir na dho Teagasg eòlais, gach aon dha cheil’. An soirbheas ri co-shàlas, ’S ri co-fhurtach an la nan deur. ’N,air thearnadh suil an t-saoghail, ’S bhiodh caoraich a’ teachd mu’n chrò, Bhiodh bean nam mala mìne, Mu m’ thimchill, a’ gabhail sceoil. A m’ choinneamh thigeadh rimhinn A mhin-chruith, ’s a mheadhain chaoil, ’S a basaibh bàn an sìneadh, Gu fior-shuairc, ag earail gaoil. Na glan aghaidh chit’ fea-ghair, ’S a seamh-rosg ag sealltuinn sios, “Bu mhuladach mi m’aonar Ag caoineadh mo ghraidh fudh sgios; Tha slainte, tha mi’n dòchas, Aig ògan nam beusan mìn’, A’s cuimhne air an òg mhnaoi, Ni solas na shlaint’, ’s na shith.” [TD 327] Sin dheanadh i mo threorach Do seomar le laimh ghil mhìn, ’S cho diultadh i dhomh orain, Mil-phògaibh, na còradh binn; Tha gruaidhean mar na ròsan, Snuadh òir air cas-ghruaig a cinn, ’S ro ghils bian nan neonan, ’S mar smeoraich th’a beulan binn. Tha’n rimhinn suairc na nòsaibh, Sàr sheoltadh an ceol nan teud; Tha h-inntinn làn de mhorachd, Gun mhor-ua’r, ’s de ghradh, gun eud. Chaidh h-eolas thar mo smuaintean, ’S a sceimh fad o chaint mo bheil Gun aireamh air a buaidhean Mo thruaigh! sinn bhi scart’ o cheil’. [TD 328] ORAN le Uilliam Ros d’a leannan. FEASGAR Luain, a’s mi air chuairt, Gu’n cualas fuaim nach b’fhuathach leam, Ceol nan teud gu h-ordail, readh, A’s coisir da reir os a chionn; Thuit mi’n caoch’ladh leis an iongna, A dhaisig mo smaointean a nunn, ’S chuir mi’n ceill gu’n imthichin cein Le m’aigne fein, ’s e co-streupa’ rium. Chaidh mi steach an ceann na coisridh, An robh òl, a’s ceol, a’s damhsa; Rimhinnean, a’s fleasgaich òga, ’S iad an ordugh grinn gun mheang, Dhearcas fa leath air na h-oighean, Le rosg foil a nunn, ’s a nall, ’S ghlacadh mo chridhe, ’s mo shuil co-luath, ’S rinn an Gaol mo leon air ball. Dhiuchd, mar aingeal, mu mo choinneamh, N ainnir og, bu ghrinne snuadh; [TD 329] Seang shlios fallain air bhlà canaich, Na mar Eala air a chuan; Suil ghorm, mheallach, fudh chaoil mhala, ’S caoin’ a sheallas ’g amharc uath, Beul tlà, tairis, gun ghnè smalain, Dha’n gnà carthanachd gun uaill. Mar ghath grein’, am madain cheitein, Gu’n mheath i mo leirsin shùl, ’S i cèumadh urlair gu reidh, iompaidh, Do reir puncanan a chiuil: Rimhinn mhodhail, ’s fior-ghlain’ foghlum, D’fhion-fhuil mhordhalach mo ruin, Reul nan oighean, grian gach coisridh, ’S i ’n ciall chòraidh, cheoil-bhinn, chiuin. ’S tearc an sgeula sunnailt t’ eugaisg, Bhi ri fhaotuin san Roinn-Eorp, Tha mais’, a’s feile, tlachd, a’s ceutaidh, Nach facas leam fein fa choir. Gach cliu a’ fàs riut a’ muirn, ’s an ailleachd, An Sugradh, ’s a manran beoil, ’S gach buaidh a b’ailli, bh’air Diana, Gu leir mar fhagail, tha aig Moir. [TD 330] ’S bachlach, dualach, cas-bhuidh, cuachach, Càradh suanais grualg do chinn, Gu h-aluinn, boidheach, faineach, or-bhuidh, An cáraibh seoighne san ordugh grinn, Gun chron a’ fàs riut, d’fheudte aireamh, O do bharr gu sail do bhuinn; Dhiuchd na buaidhean, oigh, mu’n cuairt duit, Gu meudachdain t’uaill sgach puinc. Bu leigheas teugbhail, slan o’n Eug, Do d’fhear a d’fheudadh bhi ma d’ chòir, B’fhearr na cadal bhi na d’fhagaisg, ’G eisdeachd aigeallaidh do bheoil. Cha robh Bhenus a measg leugaidh, A dh’aindeoin feutantachd cho boidheach Ri Moir Nighin mhìn, a leon mo chridh’ Le buaidhean, ’s mi ’g a dith ri m’ bheo. ’S glan an fhion-fhuil as na fhreamhaich Thu gun fhiaradh mheur, na mheang, Cinneadh mordhalach, bu chrodha, Tional co-luath cho-stri lann, Bhuin’eadh cuis bhar nan Dù-ghall, Sgiursadh iad gu’n dùthchas thall, [TD 331] Leanadh ruaig air Cataich fhuara, ’S a toirt buaidh orr’ anns gach ball. Tha Cabar-feigh an dluthas do reir dhuit, Nach biodh easlaineach san stri, Fir nach obadh leis ga’n togail Dol a chogadh ’n aghaidh Righ, Bu cholgail, faiceant’ an stoirm feachdaidh, Armach, breacanach, air tì Dol san iomairt gun bhonn gioraig, ’S iad nach tilleadh chaoidh fudh chìs. ’S trom leam m’osnadh, ’s cruaidh leam m’fhortan, Gun ghleus socair, ’s mi gun sunt, ’S mi ri smaointean air an aon rùn, A bhuin mo ghaol gun ghaol d’a chionn. Throm na Duilean peanaist dhubailt, Gus mis’ umhlachadh air ball, Thaladh Cupid mi san dùsal As na dhuisg mi bruite, fànn. Thoir soghraidh uam do’n rimhinn shuairc De’n chinneadh mhor, a’s uailse gnàs, [TD 332] ’S thoir mo dhurachdsa g’a h-ionnsaidh, ’S mi’n deagh rùn d’a cùl bhuidh, bàn. ’S nach bruadar cadail, a ghais m’aigne, ’S truagh nach aidmhich e dhomh tamh, ’S ge b’ann air chuairt, na thall an cuan, Gu’m bi mi smuainteach ort gu brath. [TD 333] ORAN eile leis a Bhard cheudna. LUINNEAG. Beir mo shoghraidh le dùrachd Do rimhinn nan dlu-chiabh, Ris an tric bha mi sùgradh Ann am brughaichean Ghlinne Braon. GUR e mis’ tha gu cianail, ’S mi co fad’ uat am bliadhna, Tha liunn-dubh air mo shiaradh, ’S mi ri iargain do ghaoil. Beir mo, &c. Cha’n fheud mi bhi subhach, Gur e’s beus domh bhi dubhach, Cha dirich mi brughach, Chaidh mo shiubhal an lughad. Chaidh m’astar a’ maillid, O nach faic mi mo leannan, ’S ann a chleachd mi bhi mar riut Ann an gleannan a chaoil. [TD 334] Anns a choill’ am bi smùdan, ’S e gu binn a’ seinn ciuill duinn, Cuach, a’s smeorach, ’g ar dùsgadh, A’ cuir nan smuid diu le faoilt’. ’S tric a bha mi ’s tu mireadh, Agus cach ga nar sireadh, Gus am bu deonach leinn pilleadh, Gu Innis nan laogh. Sinn air faireadh na tulach, ’S mo lamh thar do mhuineal, Sinn ag eisdeachd na luinneag, Bhiodh a’ mullach nan craobh. Tha mise ’g a raite, ’S cha’n urra mi aicheadh, Gur iomadach sàr Thig air airidh nach saoil. Gur mis’ tha sa’ champar, ’S mi fadh chìs ann san àm so, Ann am priosan na Fraince, Fudh ainneart gach aon. [TD 335] Ann an seomraichean glaiste, Gun cheol, na gun mhacnas, Gun ordugh a Saghsun, Mo thoirt dathigh gu saor. Cha b’ionann sud ’s m’ abhaist, Ag siubhal nam fàsach, ’S a direadh nan ard-bheann, Gabhail fath air na laoich. Siubhal nan stuc-bheann Le mo ghunna, nach diùltadh, ’S le m’ phlasgaichean fùdair, Air mo ghlun ann san fhraoch, Beir mo, &c. [TD 336] ORAN eile leis a Bhard cheudna. LUINNEAG. Hò ro ladie dhui’, hò ro èile, Hò ro ladie dhui’, hò ro èile, Hò ro ladie dhui’, hò ro eile, Gu’m b’eibhinn le m’aigne An ladie na’m feudadh. NACH mireagach Cupid, ’S e sùgradh ri mhathair, Dia bruidhneach gun suilean, An duil gur ceol gair e, A’ tilgeadh, air thuaiream, Mu’n cuairt anns gach aite, A shaighid bhig, ghuineich. Mar a’s urrain e sàthadh. Bha sagart ’s na criochan, ’S bu diaghaidh ’m fear leughaidh, Air dùnadh le creideamh, [TD 337] ’S le eagnaichd co eudmhor, ’S b’ann a cheann eagair, A theagasg bhi beusach, Gun ofrail a nasgadh Aig altairean Bhenuis. ’Nuair chunnaic a Baindia Fear teampuil cho dùire. Gun urram dh’a muilteachd, Gun mhiagh air a sùgradh, Chuir i ’n Dia dalldach, Beag, feallsach, gun suilean, D’fheuchain am feudadh e, A ghleusadh gu h-urlaim. ’Nuair dhiuchd an Dia baothmhor, Beag, faoilteach, mu’n cuairt da, Gu’n thilg e air saighid O chailin na buaile, Chaidh ’n sagart na lasair, ’S cha chuirt’ as gu la-luain e, Mur bhiodh gu’n gheill e Do Bhenus san uair sin. [TD 338] ’S b’e aidmhail an Lebhit, ’Nuair b’eigean da umhlachd, Gu’m b’fhearde gach buachaille Gruagach a phùsadh; ’S bha cailin na buaile, Cho buan ann a shuilean, ’S gu’n robh i na aigne, Na chadal, ’s na dhuisgeadh. ’S e fath ghabh an Sagart Air caidridh na h-oighe, Air dha bhi air madain ’G a h-aidmhail na sheomar, A glacadh, ’s a leagadh Air leabaidh bhig, chonaird, ’S mu’s mathadh e peacadh, Bhi tacan ga pogadh. [TD 339] ORAN gaoil do Mharaich, le Maighdean araid. LUINNEAG. Fhir a bhata na horo eile, Fhir a bhata na horo eile, Fhir a bhata na horo eile, ’S e mi run chaich thug dom’ ghradh mo threigeadh. ’S tric mi sealtuinn o’n chnoc a’s airde, D’fheuch am faic mi fear a bhata. An tig thu’n diugh, na’n tig thu maireach, ’S mar tig thu idir, gur truagh ata mi. Tha mo chridhe-sa briste, bruite, ’S tric na deoir ag ruidh o’m shuilean. An tig thu nochd na’m bi mo dhuil riut, Na’n duin mi’n dorus le osnadh thùrsach. ’S tric mi foineachd de luchd nam bata, Am fac iad thu na’m bheil thu sabhailt, [TD 340] ’S ann tha gach aon diu rium ag raite, Gur gorach mi mo thug mi gradh dhuit. Gheall mo leannan domh gùn dhe’n t-sioda, Gheall e sud agus breachdan riamhach, Faine oir anns am faicinn iomhagh, Ach ’s eagal leam gu’n dean e di-chuimhne. Cha’n eil baile beag sam bi thu, Nach tamh thu greis ann a chuir do sgios diot, Bheir thu lamh air do leabhar riamhach, Ghabhail dhuanag, ’s a bhuaireadh nianag. Ge do thuirt iad gu’n robh thu eatrom, Cha do lughadhaich sud mo ghaol ort, Bithidh tu m’aisling anns an oiche, A’s ann sa mhadain bithidh mi ga d’fhoineachd. Thug mi gaol duit ’s cha’n fhaod mi aicheadh. Cha ghaol bliadhna, ’s cha ghaol raidhe, Ach gaol a thoiseach ’n’air bha mi m’ phaisdean, ’S nach searg a chaoidh gus an claoidh am bàs mi. Tha mo chairdean gu tric ag innseadh, Gu’m feum mi taogas a leig air di-chuimhne, [TD 341] Ach tha’n comhairle dhomh co diamhain, ’S a tilleadh mara, a’s i toirt lionaidh. Tha mo chriosan air dol an airde, Cha’n ann o fhidhlair, na o chlarsair, Ach o stiuireadair a bhata, ’S mur tig thu dhathigh, struagh mar tha mi. Bithidh mi tuille tursach, dèurach, Mar Eala bhàn, ’s i ’n deigh a reubadh, Guileag bàis aic air lochan feurach, A’s cach uile an deigh-sa treigeadh. [TD 342] ORAN do’n Chath bhuidhinn Dhonullaich, ’nuair bha iad dol do America. LUINNEAG. Bithibh eatrom, ’s togaibh fònn, Eireadh ur cridhe ’n ur com, Diolaibh a ghloine gu bonn Air slainte nan sonn flàthasach. ’S iad na Gaidhil a fhuair an cliu, Riamh o chaidh iad a nunn, Aca bha buinig gach cuis, Rinn iad turn gun amharas. Mhuintir dh’a’n suaicheantas am fraoch, ’S iad na gaisgich, nach eil faoin, ’S mairg a thachradh air na laoich, ’Nuair bhitheadh caonag; chatha orr’ ’Nuair a theid sibh sios do’n bhlar, Le feile, ’s le h-osan gearr, Bonaid bhreac ’n casadh ard, Cha’n fhaod ur namhaid amharc ruibh. [TD 343] Sud na gasgich, as fearr gleus, Ann sa chorag ni iad feum, ’S ioma fear a dh’innseas sgeul, Gur treim air cùl claidhe iad. ’S iad sud a bhuidhean gun uaill, D’fhas gu beothail, laidir, luath, ’Nuair a bheir sibh airm e truaill, Gu’n gearrar smuais, a’s cnamhean leibh. Tha ur claidhean guineach, geur, Mur ealtuinn, gu sgaiteach beurr, ’S ann leo ghearrar am beuin, Cha’n eirich fear a luidheas leis. Bha sibh luath lamhach san stri, ’Nuair a ghluaiste sibh le spìd, Rinn sibh buannach’ anns gach tìr, Gu’n togte cìs gach lath leibh. ’S lionmhor uasal, aluinn, òg, D’fhalbh, ’s a ghluais de ’n chinneadh mhor, ’S ged nach tig iad uile beo, Bu mhor an rath chatha bh’ac. [TD 344] Tha sibh siobhailt ann an tlachd, Tha sibh aoidhail, tha sibh ceart, Tha sibh rioghail, tha sibh pailt, An cruas, an neart, san spraicealachd. Tha sibh socrach, tha sibh luath, Tha sibh iochdmhor, gun ghruaim, Tha sibh curranta, cruaidh, Tha sibh duaismhor, faighideanach. O fhuair sibh aodach, a’s airm, O fhuair sibh le onair gairm, Na leigibh dha h-aon diu meirg, Ach deanaibh seirbhis mathasach. [TD 345] DUANAG Oil le Duin uasal araid. LUINNEAG. O faigh a nall an t-searag, E thugar dhuinn an drama, ’S gur e d’fhogradh as ar’n aire, Gach ascall Earaich, ’s gach teinn. O’N a thuit duinn bhi ’s tigh osda, Bitheamid criodhail, togar ceol leinn, Cha dean crine bheag, a’s dolum, Fuath nan daoine còire chaoidh. ’S ioma bodach giugach, toiceal, De chrodh, de chaoraich, ’s de chapuill, ’S cridhe fial, fiughantach, farsain, Le aimbeart, ’s le draip ga chlaoidh. Ged tha cuid am beachd gur faoin mi, ’S mis’ am fear gu brath, a shaoileas, [TD 346] Gur fearr flath, furanach, faoilidh, Na daormun a thaisgeas na buinn. ’S mairg bheir geil do’n t-Saoghal shalach, Air na daoine còire ’s olc d’aithne, Bheir thu ni do’n daoi nach airibh, ’S fagadh tu falamh an saoi. Ma sheallas sibh air dol an t-Saoghail, Chi sibh na dheannadh e daonnan, Fear ga mhalairt, ’s fear ga sgaoileadh, ’S fear a cuir na d’ fhaodas cruinn. Fear a carnadh òir na mheallabh, ’S fear eile ’g ol a ’stigh liunna, Fear làn sòlais, fear làn aith-mheal, Fear làn arraid, ’s fear a caoidh. ’S ioma fear bha ’n dè làn aiteis An spreidh, ’s an cuinneadh teachd tharta, Iad an diugh gun luaidh air macnas, D’fhuadaicheadh am beartas le gaoith. Feuch nach mairg a bhiodh dh’aon bheart, Le crìne tional na d’ fhaodas, [TD 347] C’uime nach caitheadh sinn an Saoghal, A’s gu’n caith an Saoghal sinn. Cha’n eil stà bhi caoidh na chailleadh, Bathamaid sa bhola gach smalan, Dh’aindeoin ceannaichd ’s ascall Earaich, Curam sparamaid do’n Chill. [TD 348] MARI GHREANNAR. LUINNEAG. O shaoruinn, shaoruinn; shaoruinn i, Air m’fhacal fhein gu’m faoduinn sin, ’S ged bhitheadh cuid nach saoileadh e, Gu’n saoruinn Mari Ghreannar. SHAORUINN, fhein gun teagamh i, Ged bha mi tric ag bead’radh ri, Nach d’iar mi ni mi dhleasdanach, ’S nach freag’radh dhomh bhi caint air. Shaoruinn fhein gu deonach i, ’S cha b’eagal leam ged mhoidichin, Nach d’fhuair mi bheag de d’fhotus innt, O ghabh mi eolas caint oir.’ Mu tha cron ri leughadh ort An gniomh, na’n gnè, cha leir dhomh e, ’S a dh’ aindeoin beachd an t-saoghail-so, ’S tusa daonnan m’annsachd. [TD 349] Ged fhaighinn caileag Eirineach, A’s buailtean làn de spreidh aice, Cha ghabhain fhein mar cheile i, Gu’m b’anns’ thu fein as t-aon-snathain. Tha suairceas, tlachd, a’s siobhaltachd, A’ stri co dhiu as dilse dhuit, Tha maise, cliu, a’s finealtachd, Ag imtheachd air gach lamh dhuit. Gur modhail, socrach, briatharach thu, Gur aoidhail, caoimhnail, ciallach thu, ’S na’m biodh gach cuis mar dh’iarain iad Bu tu mo chiad bean bainnse. T’ fhalt boidheach cam-bhuidh, dualagach, ’S a bharr a’ fàs gu d’chruachainean, Do phòg mar mhil nan cuachagan, ’S do shnuadh air dhreach an t-Samhraidh. Gur soitheamh, banail, beusach thu, Gur geanail, suntach, eatrom thu, Gur cònnar, fònnar, speiseil thu, Gu h-aoidhail, ceillidh, greannar. [TD 350] Cha mhol mi thu, cha’n urra mi, Cha’n eil briath’raibh ullamh dhomh, Do bheusan thug mi’n t-urram dhoibh, ’S iad chuir mi uile ’n geall ort. Ach dh’innsinn fhein gu soilleir dhuibh, Co i, ’s co uaith a shloinneadh i, Mur bhi gun d’ fhuair sibh coire dhomh, Airson na rinn mi chaillt oir’. [TD 351] ORAN le Duin’ uasal de Chlann Donaill, a ghlacadh tre fhoill anns an Airde tuath. MILE mallachd, do’n òl ’S masrg a dheanadh dhe poit ’S e mo mhealladh gu mor a fhuair mi. Mile, &c. Mile marbh-bhaisg do’n dram, Chuir an daorach so m’ cheann, ’Nuair a ghlac iad san aird taobh-tuath mi. Mas an d’fhuair mi bhi mach, ’S a bhi m’armaibh gu ceart, Bha rag mhearlaich nan cearc mu’n cuairt domh. Bha tri fichid, a’s triuir, Ga mo ruidh feadh nan lùb, Gus na bhuin iad mo luth, ’s mo luathas uam. Righ gur mise bha nàr, ’Nuair a ghlac iad mi slàn, ’S nach tug mi fear bàn na ruadh dhiu. [TD 352] Bithidh mo mhallachd gu brath Aig a ghunn’ airson arm, An deigh a mealladh, ’s an sàr a fhuair mi. Ge do gheibhinn dhomh fein Làn buaile de spreidh, B’annsa claidhe le scè ’s an uair ud. Ach Iain duibh tog a mach, A’s thoir na d’fhaodas tu leat, Agus cuimhnich a bheart bu dual duit. Na seall air do ni, Faic t’fhuil a dol diot, ’S na mo bhitheas tu na d’chilleag shuaraich. Nam biodh tusa fudh ghlais, Agus mise bhi as, Nail chumainn mo chás gle luaimneach. Bhiodh an t-osan gle ghearr, ’S an t fheile gle ard, ’S balgan piollach oscionn na cruachain. [TD 353] Na’m biodh fios mi bhi ’n sàs. Gun duil ri fuasgladh gu brath, ’S lionmhor ghabhadh mo phairt ’s an uair so. ’S ioma maighdean ghlan, ùr, Chluinnte faram a gùin, A chuireadh na cruin gu m’ fhuasgladh. Gu’m bheil te dhiu ’n Srath Spè ’S na’m bitheadh fios aice fein, Naile, chuireadh i ceud gu luath ann. [TD 354] MOLADH MORAIG. LUINNEAG. ’S i luaidh mo chagair Morag, Mo ghaol sa mhadain Morag, Gu’m b’ait’ leam agam Morag, Gur taitneach leam a còradh. ’S tu Mhòrag rinn mo bhuaireadh, O chunnaic mi Di-luain thu, Tha m’aigne leat ag gluasad, ’S cha tamh e mur bi buaidh leis, Mur geill thu bithidh mi truagh dhe. Do shaighidean rinn mo leònadh, ’S iad chuir mi uil’ a h-ordugh, Cha bhi mi tuille ’n sòlas, Mur failtich thu le poig mi, ’S do lamh ag gealladh còir ort. Tillidh ’n t-uisg’ ri shleibhtean, ’S bithidh sneachda dubh air ghèugan, [TD 355] Mu’n caochail air mo ghaol duit, ’S tu m’annsachd ’s mo dheo-ghreine, Cha treig mi ann mo cheil thu. Ge h-ioma ceum a bha mi, Cha’n fhacas aon thug barr ort, Do phearsa tha fior dhàicheil, Do bheusan tha gun fhailig, ’S tu Phenics measg an àil so. ’S tu’n reul a’ measg nan òg-bhan, Do mhaise rinn mo leònadh, Do ghruaidh d’fhag fann na ròsan, Do dheud d’fhag glas na neonain, Cha leir dhomh samhla d’bhoi’chid. Ge h-ioma tè a chi mi, Cha teid iad uile ’m pris riut, ’S tu Bhenus measg nam miltean, ’S e t’eugas thug mo chli uam, ’S a d’fhag an diugh gun li mi. ’Nuair bhitheas mi ann a m’aonar, Nam chadal ann mo sheomar, [TD 356] Thig t-iomhagh làn de bhoi’chid, An sin duisgidh mi le sòlas, An duil gu’m bheil sinn co-luath. Gur tric mi air mo ghluasad, ’N àm cuimhneach air na h-uairean, An robh mi, a’s tu cluaineas, ’S a ruidh le cèuman luatha, ’S nach till iad tuille nuadh dhomh. Chualadh tu mar tha mi, Gu’m bheil mo chridhe ’n gradh dhiut; Nis cuimhnich air do nadur, A’s tiondadh ann am blathas rium, ’S na faic a chaoidh am thraill mi. [TD 357] CUMHA Lachlain Mhic Ionmhuinn, an Clarsair, le Silis Ni Mhic Raonuill. Air fonn—“Chaidh mi tur a dheanadh aodaich.” SLAN a chaoidh le ceol na Clàrsaich, O na ghlac am bus thu Lachlain, Cha bhi mi tuille ga t’iargain, Ni mo dh’iaras mi chaoidh t’fhaicinn; Fhuair mi mo chleachda’ ri d’cheol-sa, ’Nuair bha mi òg ’s mi ’m phaisdean, ’S ged a thainig mi ’n taobh-tuath uat, Thigeadh tu air chuairt do m’ fhardaich. ’Nuair a chithinn thu ag tighinn, Dh’eireadh mo chridhe san uair sin, Gheibhinn uat sgeula gun mhearachd, Air na d’fharraidinn dhe m’uaislean; ’Nuair a tharlamid le cheile, B’e Sleibhte toiseach ar seanachais, Gheibhinn uat sgeula comhnard, Air Donuil, a’s air Mairiread. [TD 358] Gheibhinn sgeul uat gu cinnt, Air gach aon neach tha san aite, Gheibhinn sgeul air Mac Mhic Ailean, ’S air na d’fharraidinn de m’ chàirdean, Gheibhinn sgeul uat air Cnoideart, Air Mor thir ’s Gleannagara, Gheibhinn sgeul uat as a Bhràighe, Air gach fardaich, anns gach baile. Gheibhinn sgeul air Mòir, ’s air Seonaid, Ged tha ’n cònuidh ’n Earraghael, Gheibhinn sgeul air Gleann a Comhan, ’S air gach gnothach mur a b’aill leam; Ach nis o chaill mi mo cheann seanachais, (’S cruaidh a naigheachd leam ri eisteachd, Mur cluinn mi tuille dhe d’labhairt,) Co uaith a ghabhas mi sgeula. Ach mur tig thu chaoidh do’n bhails’, Gu’n luidh smal air mo shùgradh, ’S e’n teug ga d’thoirt le cabhaig, Thug an diugh gal air mo shuilean; ’S ann umad a bha mi eolach, ’S air do cheol a bha mi deighail, [TD 359] Cha bhi gruaman air nar buidhean, Far an suidheamaid le cheile. ’Nuair a ghlacadh tu do Chlàrsach, ’S a bhiodh tu ’g a gleusadh lamh rium, Cha mhath a thuigte le h-umaidh Do chuir chiuil-sa, ’s mo ghabhail dhàn-sa, Bu bhinn do mheoir air a cliathaich, ’Nuair a dh’iarainn Cumha ’n Easpaig, Cumha Ni mhic Raonuill lamh ris, Cumha Mari, ’s Cumha Ghilleaspuig. Cha chluinn mi chaoidh socair Dhàna, Cumha, na Failte, na òran, Nach tig na deoir o mo shuilean, Le trom thùrsa o nach beo thu. Ged a bha iad dàll do shuilean, Cha bu dall an cuis na dha thu, Cha bu dall do bheul ri sùgradh, ’S cha bu dall air luthas do lamh thu. ’S cruaidh leam do Chlàrsach ga rusgadh, ’S cruaidh leam gach cuis mar thachair, ’S duillich leam nach tig thu’n Dùthaich, [TD 360] Gun mo dhuil bhi chaoidh ri t’fhaicinn, Nis iaram air Dia bhi riut iochdmhor, S do leigeil ann a measg nan Aingeal; O bha do thlachd san cheol san t-saoghal, Ceol a measg nan Naomh dha t’ anam. Cha d’iar thu phorsan anns a bheath, Ach a mheud ’s a gheibheadh tu o uaislean, ’G imtheachd le sùgradh, ’s le aigheir, ’Nuair a bhiodh tu caitheadh do dhuaise. Ach ciod an stà dhomh bhi gad chumhadh; An deigh gach saoi a tha ’g ar fagail; A’s ge bu toil leam e ri m’oige, Slàn a chaoidh le ceol na Clàrsaich. Tha’n tàl so th’aguinn an tras, Air caoch’ladh gu mor o chleachd an sinsir, Threig iad am fiughantas, ’san cairdeas, An ceol, an treuntas, ’san seanachas, ’S e duine a’s cliutach san àm so, Am fear a’s pailt de chuir, ’s de lùban, ’S e sin comhairlich nan daoine mora, ’S an duine chòir cha bhi ach umaidh. [TD 361] MARBH-RANN do d’fhear na Comraich, le Mari nighean Alastair Ruaidh. THA mise air leaghadh le bròn, O’n la dheug thu ’s nach beo, Mu m’ fhiuran faighidneach còir, Uasal, aighireach, òg, ’S uaisle shuidheadh mu bhòrd, Mo chreach t’fhaiginn gun treoir eirigh. ’S tu’n laoch gun laigse, gun leon, Macan mìn-geal gun scleo, Fearail, finealt an t-òg, De shliochd nam fear mòr, D’a mo dual a bhi còir, ’S gu’m b’fhiu faiteal do bheoil eisdeachd. ’S tu clann na h-irrinn a b’fhearr, Glan an riamh as an d’fhàs, Cairdeas Righ as gach ball, Bha sud scriobt leat am boinn, [TD 362] Fudh laimh duine gun mheang, Ach thu lionta de dh’ardan euchdach. Ruairi aigeantaich aird, O Chomraich ghreadhnaich an àigh, Mhic an fhir bu mhor gàir, Nan lann guineach cruaidh garg, Ort cha d’ fhuaradh riamh cearb, Iar odha Uilliam nan long breid-gheal. Fhuair mi m’ ailleagan ùr, ’S e gun smal air gun smur, Bu bhreac mìn dearg do ghnuis, Bu ghorm laoghach do shuil, Bu ghlan sliasad, a’s glun, Bu deas dainghean a lub ghleust thu. A lub aghoil nam buadh, ’S mairg a tharladh ort uair, Mu ghlaic Iolaidh so shuas, Air each crodhanta luath, Namhaid romhad na ruaig, Air dhoigh buille cha b’uair cìs e. [TD 363] Ach fhir a’s curranta lamh, Thug gach duine gu cradh, ’S truagh nach d’fhuirich thu slan, Ri uair cumaisg na blair, Thoirt tilleadh as do namh, Bu leat urram an la cheudaich. Bu tu’n scolair gun diobradh, Meoir a’s grinne ni scriobhadh, Uasal faighidneach, cinnteach, Bu leat lagh an tigh scriobhaidh, ’S tu nach muchadh an fhirinn, Sgeul mo chreiche so shil do chreuchdan. Stad air m’aighir an dè, D’fhalbh mo mharcanta fein, Chuir mi’n ciste nan teud, Dhiult an gobhain dhomh gleus, Dhaltruich sud orm sgach leighe ’S chaidh m’ onair ’s mo Righ dh’eug thu. Thuit a chraobh as a bharr, Rois an graine gu làr, Lot thu ’n cinneadh a’s chradh, [TD 364] Air an robh thu mar bharr, Ga’n dionadh gach là, ’S mo chreach bhuinig am bàs treun ort. ’N am suidheadh na d’ sheomar, Chaidh do bhuidhean an ordugh, Cha b’ann mu aighir do phosaidh, Le nighean Iarla Chlann Donuill, As do dheidh mar bu chòir dhi, ’S ann chaidh do thasgaidh san t-srol fudh d’leine. Ach gur mis’ tha bochd truagh, Fiamh a ghuil air mo ghruaidh, ’S goirt an gradan a fhuair, Marcach deas nan each luath, Sàr Cheannard air sluagh, Mo chreach t’ fhagail ri uair m’fheime. Ach fhuair mi m’àilleagan òg, Mar nach b’abhaist gun cheol, Saoir ri caramh do bhord, Mnai ri spionadh an fheòir, Fir gun tailisg, gun cheol, Gur bochd fulang mo sgeoil eisdeachd. [TD 365] ’Nuair a thionail an sluagh, ’S ann bha’n tiom sgaradh cruaidh, Mur ghàir sheillean am bruaich, An deigh na meala thoirt uath, ’S ann bha’n teireadh bochd truagh, ’S iad mo cheannas an t-sluaigh threubhaich. [TD 366] ORAN le Silis Ni Mhic Raonuill, an aghaidh na h-obar nogha. ’S mise th’air mo bhodh’radh Le sòlas na h-obar nogha, Ag eisdeachd nan daoine, A’ laoidh mar ni iad an gnothach; B’fhearr leam bhi as eugmhais, Gu m’aois, gus am bithinn gnothaist, Na bhi ’g eisdeachd an sgeul ud, Mur leumas iad air na mnaibh. Ged bhithinns’ na m’ ghruagaich, Co uallach ’s a bha mi roimhe, Cha chluinnnte re’m bheo mi, Cuir toir air an obair nogha; Mur faighinn fear posda Le deoin, a dheanadh mo ghnothach, Cha bu d fhiu leam cuairt D’fhear fuadain, ’s a shiubh’leadh roimhe. [TD 367] Mo chomhairle, san tìm so, Do nianaig i bhi gu taitheach, Bhi gu teistail, diomhair, Gun mhi-dhathaich idir a gabhail, O na gillean òga, Air bhoichid da’m bi ’n labhairt, Ach gu’n dean sibh còrdadh, Pòsadh, a’s dol a luidhe. Mo chomhairle re m’ bheo dhuibh, Na h-oganaich uile sheach’nadh, Gun am fulang dàna, An caint, na’m briath’ran fachaid, B’fhearr leam dol thar sàile, Do’n aite riamh nach fhacas, Na bhi giulan phaisdean Do ghraisg nach fuilig am faicinn. Bithidh mionnan, agus briath’ran, ’S mi chiataidh an deigh a leithid, Bithidh gul, agus caoidh ann, A’s caoch’ladh na h uile latha; Bithidh cùram air cairdean, Bithidh cràdh aig mathair, a’s athair, [TD 368] ’S mo nianagan greannar, Bithidh cuimhneach na tha mi ’gradh. Bithidh ministeirean, ’s cleir ann, ’G ar eigheadh a stigh gu h-Eaglais, Cha’n usa dhuibh na h-eildearan ’Nuair ’s eigean duibh thighinn gu seisean; Cha’n fhaigh sibh radh-eisteachd, Ur beusan cha dean ur seasamh, A’s bheir sibh moran nàire Do’r cairdean, mur bi sibh teistail. Mo nianagan boidheach, Na’m b’eolach sibh mar mise, Mu’na bhrosgal bhreige, Seal mu’n eirich air a chriosan, Gheibh sibh gealladh pòsaidh, ’Nuair thoisicheas bog a bhriseidh, ’S ’n’ air a gheibh e’n ruaig ud, “Bur uainn i cha’n fhacadh mis’ i.” ’Nuair theid sibh chun na feille, Na geillibh do luchd nan gibhtean, [TD 369] Innsidh mi dhuibh reasan, Is feudail nach coisinn meas iad. Ge do gheibh sibh lamh’nean, Faine, agus deise riban, Is daor a ni sibh phaidheadh, ’Nuair dh’ardaicheas air a chriosan. Bheirinn dhuibh mo sheoladh, ’S re’r beo, na’n deanadh sibh ghabhail, Cha chuireadh sibh deigh orra Fein, na air an obair nogha. Bithidh iad breannach, breugach, Mu gheileas sibh ullamh romha, ’S na’n gabhadh sibh mo sheoladh, ’S e ’m pòsadh a dheanadh gnothach. Chi thu gruagach riamhach, ’S crios sioda oir’ an ceangal, Ach meallar i os ’n iosal, A’s striochdas i do na ghnothach, Damhsaidh si air urlar, Gu suntach an deigh a leithid; Ach ’nuair a thig am paisdean, B’ fhearr bhi mar bha i roimhe. [TD 370] Tha ceist nam ban air Ruairi Chuir buaidh air an obair nogha, ’S ioma gruagach uallach, Le suairceas tha teachd m’a chomhair; Duil aca gu’m b’fheard’ iad, Cairdeas na h-obar nogha; Ach ’s ann a bheir i tàir orr’, Nach fag iad re fad an latha. [TD 371] ORAN a rinneadh do Baintighearna Chearnsari ’nuair bha i na Maighdean òig. Air fonn,—“Carraig Fhearghuis.” O’N thathaich mi ’n rathad, Gu’n taoghail mi monadh, Anns an tuiteadh an sneachda, ’S a ghaill-shion gu trom, ’S an talamh neo chaisreict, ’S na chaill mi na casan, Mu’n d’rainig mi ’n Caisteil An robh Mali chruinn donn, ’Nuair a rainig mi urrad, Gu’n d’fhàs mi co toilicht’, ’S gu’n d’rinn mi gach doscuin A thogail gu fònn, Gu’n thamh mi san fhasga’, Bha’n sail beinn an t-sneachdaidh, Co bla ris a chladach, Bha ’m fasga’ nan tònn. [TD 372] Fhir a shiubhlas an rathad A dh’ ionnsuidh na Dabhoich, Uam imirich mo bheannachd Gu Mali chruinn donn, Tha thuinneadh sa ghleannan Aig altan a cheannaich, ’S gur daoine gun taghal, Nach tathaich am fònn, I mar ionnas an tasgaidh Gun chunnart, gun gheasan; Ach a faotuinn gu taitneach Dha’n fhear rachadh ann, ’S ged bhithinn am Bharon Air duthaich Chlainn Eachainn, Gu’m foghnadh, mar mhatch, Leam Mali chruinn donn. Tha pearsa co boidheach, Tha i tlachdmhor na còdach, Tha taitneas na còradh, Mar Smeorach na Gleann, Gu’n d’fhaoiltich mo chridhe, ’Nuair rinn i rium bruidhean, B’e beatha dhomh ris [TD 373] Gu tighinn a nall. Bha h-aogasg gun smalan, Bha caoin air a rasguibh, Bha gaol air a thasgaidh Sa chridhe bha na com, Gu’n smaoinich mi agam, Nach rachain am mearachd, Ged theirinn gur piuthair I dh’Iain geall donn. Na meoir sin bu gile, Bha còrr air a ghrinneas, A’s boi’che ni figheadh, A’s fuaidheal glan reidh; Gur cuimir, deas, direach, A shiubhlas tu’n ridhleadh, ’Nuair dhuisgte gu critheach Dhuit fiodhall nan teud. ’S tu cheumadh gu boidheach, ’S a thiondadh gu h-eolach, ’S a fhreag’radh gu h-ordail Do cheolan nam meur, Tha’n Earbag sa mhonadh, [TD 374] ’S maith tearmunn o’n ghaill-shion, ’S gur sealbhach do’n fhear sin, A ghlacas a ceum. O mheacain an t-suairceis ’S o leasraidh na h-uaisle, B’e t’fhasan, ’s bu dual duit O’n bhuaineadh do sheors. Gur furanach, pairteach, Am preas as an d’fhàs thu, Mar rinneadh do chàradh O Nan, ’s o’n t-Srath mhor. Na’m bitheadh sibh a lathair San staid mar a b’aill leam, Cha reicinn ur cairdeas Airson mnai san Roinn Eorp. Gu’m bheil mi ’n diugh sabhailt, O chunnaic mi Mari, Gu’n sheas i dhomh aite Na mathar, nach beo. Chuir i fasga’ mu’n cuairt domh, Mar earradh math uachdair, [TD 375] Gu’n bhuilich i uaisle Le suairceas glan beoil. Lamh shoilleir, neo spiocach, ’S an cridhe neo reota Aig Nighean Catriana, ’S mo bhriathar, bu chòir. ’S ge nach facadh mi t’athair, Gu’n cualadh mi leathaid ’S gu’m b’urra mi aithris Cuid de fhasain an t-seoid; Bha e fial ris na maithibh, Ceann a Cliar, agus Ceatharna, ’S gu’m bu dhiobhail mur thachair, Luathad ’s a chaidh e fudh ’n fhoid. Bhiodh ol ann, bhiodh ceol ann, Bhiodh furan, bhiodh pòit ann, Bhiodh, òrain, bhiodh dòchas Mu bhòrd an fhir fhèil, Bhiodh Iasg ann, bhiodh Sealg ann, Bhiodh fiagh, agus Earb ann, Bhiodh coileach dubh, barrgheal, ’Ga marbhadh air gèig, [TD 376] Bhiodh bradain an fhior uisg’, Bhiodh taghadh gach sìthne ann, Bhiodh liath chearcan fraoich Anns an fhrith aig a fein. ’N am tighinn gu bhaile Gu thurladh gun ainnis, Bhiodh rusgadh air Ealain, Casgadh padhaidh, a’s sgios. B’iad sud na fìr uasal Gun chrine, gun ghruaman, Cha’n fhaigheadh each buaidh orr’ ’N tuasaid, na’n streup. Iad gun ardan, gun uabhar, Gu neo smachdall air tuatha; Ach fearann fudh ’n uachdar Fàs suas anns gach ni. O na dhimich na h-armuinn, Chaidh an Saoghal gu tàire, ’S bithidh bròn, agus pàidh, Ri chlaistinn na’n deigh; ’S na’m fanain ri fhaicinn Co fad ri mo shean athair, [TD 377] Gu’m farr’deadh gach fear dhiom, Am facadh mi’n Fheinn. O na dh’imthich na h-armuinn, ’S e nar cuid na tha lathair, Gu mu beannuicht an geard, Th’air an Alach a th’ann. Ceud soraidh ceud failte, Ceud furan, gu Mari, D’fhag sinne sa Mhàigh Ann am braigh nan Gleann. ’S i cuachag na coille Na h-uaisle ’s na h-Ealain, A d’fhag sinn gu loinneil Ann an creagan nam beann; A gheal ghlan gun ainnis, B’e t’ainm a bhi banail, ’S gu’n dhearbh thu bhi duinail, ’S nar chluinneams’ do chall. Gu’n cluinneams’ do bhuinig, Ge nach faic mi thu tuille, Gar an iaradh tu idir [TD 378] Dhol fad’ as an fhònn; Ach ann an àite na’s deisail, Gun bhlar, na gun chreagan, ’S ma gheibh m’ ath-chuinges’ freag’radh, Cha’n eagal duit bonn. Tha uaislean, ’s treun laoich, Tha truaghain, a’s feumaich, Toirt tuaraisgeul gleusta Air t’fheum anns gach ball, Tha gach tlachd on ri innseadh, Lamh gheal a ni sgriobhadh, ’S gur tuigseach a chiall, A chuir Dia ann do cheann. Bithidh mo dhàn, agus m’ oran, Bithidh m’altugh mar is eol domh, Gu brath fhad ’s is beo mi, Toirt sgeoil ort a chaoidh. Na fhuair mi dhe t’ fhuran, Cha’n fhuaraich e tuille, Ni smaointean mo chridhe Riut bruidhean nach till, Cha’n eil Siorrachd dha’n teid mi, [TD 379] Ged a ruiginn Dùneidin, Nach toir mi deagh sgeul ort Am fad ’sa dh’eisdear mo rainn, ’S bheir mi Charraig o Fhearghus Gu arachadh ainma, ’S luchd Ealain na h-Alba D’a sheanchas, ’s d’a sheinn, Ceud furan, ceud failte, Ceud soraidh le bardachd, Ceud tlachd mar ri àilleachd, Air fas air a mhnaoi; Ceud beannachd na dha dhiut, ’S gu’m faiceam-sa slàn thu, Ma tha idir an dàn domh Dol gu brath do Loch-braon, Ged nach sgalaiche baird mi, Cha’n urrain iad m’aicheadh; Ach mo thig iad ni a’s daine Gu’m paidh iad ris dàin, ’S i bean nan rasg trothad, Gun ardan, gun fhoghail, ’S i Mari ’s gloin’ bodhaig An creag odhar nan craobh. [TD 380] Creag odhar, creag chaorach, Creag bheann, agus aonach, Creag fhasgadhach ri gaoith thu, Creag laogh, agus mheann, Creag chaoran, creag chnothan, Creag fhiarach, a’s chreamhach, Creag eunach, a’ labhairt A barraibh nan crann; Gu’n cluinnte guth smeorach An uinneig do sheomair, ’S a chumhag a’ còradh, Mar a b’eol d’i bhi caint, ’S bithidh Ealaidh a mhonaidh Ri cluich anns an dorus, Mar onair ri Mali Bean shona nan Gleann. O nach urra mi scriobhadh, No litir a leughadh, Fhir a dhealaich an dè rium Ag carn an fheigh dhuinn, Chuir a chuid gillean, ’S a ghearrain ga m’ shireadh, [TD 381] Mu’n rachadh mo mhilleadh Ann an curaisde puill, O nach urra mi mholadh An onair, mar choisinn, Mo bheannachd gu meal e Gun easlaint a chaoidh, Fhir a shiubhlas an rathad A dh’ionnsuidh na dabhoich, Uam imirich mo bheannachd Gu Mali chruinn donn. [TD 382] ORAN Brosnuchaidh do na Gail, le Alastair Mac Aonais, duin’ uasal de mhuintir Ghlinne Comhan, ann sa bhliadhna 1745. Air fonn,—“Black Joke.” CHLANNAIBH nan Gael, Dh’am b’abhaist bhi rioghail, Hòrò togaibh an aird; A’s freasdailibh an trasa Do Thearlach mar dhilsean, Hòrò togaibh an aird; Freasdailibh dha uile, Gun fhuireach ri righneas, Na leughaibh ur cunnart, Ach bhi muinighin Chriosd’, Ga foirmail, tartarach, Stoirmail, ac fhuinneach, Sunt gu astar oirbh, ’S colg gu tapadh oirbh, Hòrò togaibh an aird. [TD 383] Mu theid sibh a baile, Thugaibh thairis d’ur ’n eolas, Hòrò togaibh an aird; Thugaibh thairis d’ur mnaibh, D’ur taighean, ’S d’ ur stòras, Hòrò togaibh an aird. Biodh gach aon fhear na dhithis, ’N am tighinn gu con-stri, Gach gairdean na ruigheich, ’S gach cridhe na leoghan, Gu dàna, drabasta, Lamhach, ladarna, Biodh buaidh gach machar leibh, ’S gach ait’ an tachair sibh, Hòrò togaibh an aird. Na cuireadh fuaim fudair Bonn curaim ’n ur feoil-sa, Hòrò togaibh an aird, Na musgaidean du-ghorm Dad muthaidh ’n ur dòchas, Hòrò togaibh an aird. ’Nuair theirigeas an fhuaim sin, D’fhalbh an cruadal ’s an doghruinn, [TD 384] Bithidh sibhse na’m badan, Leis a chleachda bu nòs duibh, Biodh gach treun fhear fulangach, Sàthach, builleanach, Laidir, curanta, ’S cha dean namhaid fuireach ruibh; Hòrò togaibh an aird. ’S mor am fath meisnich dhuibh Tiodal na còrach, Hòrò togaibh an aird. Cha bhi ur coinseas ’g ur tagradh, ’S bithidh ’n ceartas ’g ur cònadh, Hòrò togaibh an aird, Cha’n ionann ’s ar naimhdean, Ged tha iad ro threoireach, Bithidh ’n coinseas g an diteadh, Chionn striochdadh do D———sa; Bithidh sibhse bunailteach, Fudh amhghair fulangach, Gun sgath roimh chunnart, ’S gabhaibh Dia mar mhuin’gin, Hòrò togaibh an aird. [TD 385] Mo chinneas leibh gnothach, ’S gu’n cothaich sibh rioghachd, Hòrò togaibh an aird, Theid ur cliu thar an domhain Measg choimheach, a’s dhilsean, Hòrò togaibh an aird, Gheibh sibh pailteas gach dùthcha, Cha’n e ur dùthchas a’s ni leibh, Agus raogha gach fearainn, Cha bhi gearradh, na cìs oirbh, Bithidh sibh laisde, socair, Gun chàs, gun dochair oirbh, Agus bàigh ’g ur brosnuchadh. Gun ullach chaich ’g ur goirteachadh, Hòrò togaibh an aird. ’Nuair theid easan a chrùnadh Ann an duthaich a shinsir, Hòrò togaibh an aird, Gheibh moran deibh aite, ’S cha bhi chairdean air diobradh, Hòrò togaibh an aird. Bithidh maithean nan Gael, [TD 386] Mar is aill leo gu dilinn, Bithidh ’n Ilsean, ’s an Uailsean, Gun bhruailean, gun mhi-thlachd, Ann an socair shuidheachais, ’S iad a ghnà toirt buidheachais, Agus gloir do’n Cruthaichear, A shonraich an siubhal doibh, Hòrò togaibh an aird, Co b’e d’fhanas re fhaicinn, ’Nuair thig ceartas an uachdar, Hòrò togaibh an aird, Bithidh Eaglais, a’s Staide Mar bhrathairean gun bhruailean, Hòrò togaibh an aird, ’Nuair ghlaodhas iad sithchaint Anns gach rioghachd mu’n cuairt duibh, Bithidh Priunnsa na Criosdachd An ti air ur fuasg’ladh, Bithidh miagh air Eaglaisean, As sunnt air teagasg annt, ’S gach ceaird a’ leasachadh, ’S iad a ghnà gun easbhuidh, Hòrò togaibh an aird. [TD 387] Nis siubhlaibh le m’ bheannachd, Gun mhaille, gun ghruaman, Hòrò togaibh an aird, A’s nochdaibh ’s gach aite Gur Gail tha gluasad, Hòrò togaibh an aird, Nochdaibh ur spionna, Ur neart, a’s ur cruadal, Gach aon neach a chasas reibh, Grad thugaibh buaidh air; Feuchaibh d’fhir Shaghsuin, Nach tais anns an ruaig sibh, Fagaibh sna claisibh Gach fear dhiu a bhuaileas, Hòrò togaibh an aird. [TD 388] MARBH-RANN do dh’Iain Ruadh Mac Cuithean, Piobair ann an Uist a Chinn a Deas, ’nuair a tha e beo, le Gilleaspuig Donullach am Bard Uisteach. FHUAIR mi sgeul o’n ghobha, Cha’n aobhair meoghail, ach gruaim, E fein fudh mhi-ghean, ’s fudh thrioblaid, Ri iaruinn ciste Iain Ruaidh; Saoir a’ locaradh, ’sa’ sabhadh, ’S a chulaidh bhàis ’ga cuir suas, Samhach cadal na Corra, Cha chluinntear tuille a fuaim. Chaidh na maidean a ordugh, Cha’n aithne dhomh-sa an cuir suas, Tha’n gaothair air stopadh, Tha’n dà dhos na’n trom-shuain, Chaill an siunnsair a chlaisteachd, Tha’n gleus air a ghrad leigeadh suas, [TD 389] O’n tric an tainig ceol taitneach, Rogha caismeachd mo chluais. Ceol bu bhlasd’, a’s bu bhinne, Dhusgadh spiorad do’n t-sluagh, Ceol bu tartaraich’ siubhal, Thionndadh tioma gu cruas, Ceol mar smeoraich a ghlinne, Ceol a’s binne na cuach, Meoir gun bhraise, gun ghiorradh, Dian ruith-leumnaich, luath. Sgiolta sealleadh do shiunnsair, Air port, ’s air cruinn-luath, ’s air cuairt, Pronnadh chaparra, luthmhor, Caismeachd shuntach san ruaig, Dheanadh gaisgeach de’n sgliuraich, Chuireadh diun-laoch na luathas, Claidhean glasa ’gan rusgadh, Claig’nibh bruite aig luch fuath. ’S iomad aon tha gad’ iondrain, O’n chaidh ùir ort san uaimh; [TD 390] An toiseach labhair an spliucan, Bhiodh tu giulan gach uair, “Tha mi fein gun tombaca, Cha b’e cleachdadh a fhuair, ’S tric chuir Iain fudh m’aisne, Greim, a’s cairteal, a’s cuach.” Thuirt a ghloin’ a bha’n t-Asdain, “Mo sgeul craiteach, ro chruaidh, D’fhalbh mo shùgradh, ’s mo mhanran, Thug am bàs leis Iain Ruagh; Fear a chluicheadh a chlarsach, Dheanadh dàn, agus duan, Cha b’e Caluin a chrampaidh Fònn a b’fhearr leis ’g a luaidh.” Thuirt am pigeadh bha lamh ris, “Faigh an tarca gu luath, Cuir am chlaigean-sa spairt e, Tha tart ’s gach aite mu ’n cuairt, Thainig contraigh na plaighidh Tha nithe gnathaichte uainn Cha bhi reothart gu brath ann, ’S ann a thraigheas an Cuan.” [TD 391] Thuirt am buideal, ’s am botal, Thuirt an goc ris an stop, Thuirt an copan, ’s an t-slige; “’S mor an sgrios th’air tighinn oirn, Tha gach sruth air a dhùnadh, Bha cuir a dh’ionnsaidh nan lòn, Cha’n fhaighear drap air an uslar, A fhliuchas brù Dhonuill òig.” O’n d’fhalbh an companach sàr-mhaith, D’fhalbh an rabhart, ’s an spòrs, D’fhalbh beannachd na cloinne, ’S e sheinneadh an ceol; Nis o rinneadh do chàradh ’N ciste chlaraich nam bòrd, ’S mor as mist iad am Pharo, Gun fhear do ghnàis a bhi beo. D’fhalbh an deagh ghille cuideachd, Nach robh scrubail san òsd’. D’fhalbh fear tràghadh nan searrag, Chostas barrachd thar stòp, D’fhalbh fear deanadh nan duanag [TD 392] Leis an luaighteadh gach clò, Cha b’e ghnàs a bhi gearan, Ge h-ioma gloin’ thug dha pòg. ’S beag mo shunnt ri lath feille, ’S beag mo speis dhe gach ceol, ’S beag mo thlachd dhe bhi ’g eisteachd, Gaoir theud fir nan cròc, Leam a b’annsa do bhruidhean, ’N àm suidhe mu bhòrd, Na droch dhriochan air fiodhaill, Mar fhuaim snithe an lòin. Bha thu d’ dhamhsair air ùrlar, Bha thu siubhlach air snàmh, Bha thu d’ chairiche luthmhor, Cha bhiodh tu d’ luireich fudh chach, Urram leum, agus ruithe, Glac threun a ruitheadh an ràmh, ’San am caitheadh na cloiche, Bu leat an toiseach thar cach. Thoir mo shoraidh-sa thairis, Dh’ionnsuidh ’n fhearainn ud thall, [TD 393] O nach faod mi bhi mar reibh, ’S leibh mo bheannachd san àm, Biodh an Uaimh air a treach’ladh, Ann am fasan nach gann, Buideal rùm aig a chasan, ’S rol tomhac aig a cheann. ORAN air Ais-eirigh an Iain Ruaidh cheudan. Hòrò gu’m b’eibhinn leam Chluinntinn gu’n do dh’eirich thu, ’S ann leam a’s ait an sgeula sin, O chaidh an t-Eug co teann ort. Chualadh mi gu’n chailleadh thu, ’S gu’n do rinneadh t’fhalaraidh ’S e cuis mu’n robh mi gearanach, Do bhean a bhi na baintre’ich. Thug iad o na h-Osdairean Buideal am bun tòrraidh dhuit, [TD 394] Mu bheireas mi gun òladh air, ’S e ni sinn seorsa bainns’ dhe. O tha giumhas sabhte agad, ’S gu’n d’rinn an gabha tairngean duit, Teannamaid ri bata nis, Theid do Phàro dh’iaraidh Brandi. Cha bhi dad de dh’eis oire, Gheibh i gach ni d’fheumas i, Ni’n lion aodach a meadhon-seol di, ’S gu’n dean na speicean crann di. Cha’n easbhuidh nach bi ballaibh ann, Gu cuplaichean, ’s gu tarruingean, Tha ropaichean gun ghainn’ againn, ’S gu’n ceangail sinn gu teann iad. Cha’n eil m’inntinn gearanach, O’n chuir thu dhiot an galar ud, ’S ann tha do phiob na deannaibh, Toirt caithream air ceol damhsaidh. ’Nuair bha thu ann san Reiseamaid, Bu scairtail, tapaidh, treubhach thu. [TD 395] Na h-uile fear a leimeadh ort, Ghreadhadh tu gun taing e. ’Nuair a bha thu toganach, ’S lionmhor àit’ am b’ eolach thu, Chunnaic mis’ an closaidean, Ag òl an Amsterdam thu. [TD 396] CUMHA do Mac Leoid, le mnaoi uasail de Chloinn Mhuirich, ’nuair bha i ’gamharc bhar mullach beinne ann an Troternis air an luing a bha giulan corp Mhic Leoid gu ruig na Hearadh, far an robh e gu bhi air adhlacadh. ’S MOR mo mhulad, s mi m’ aonar, ’S mi ’g amharc nan seol air chuan Sgith, ’S mi bhi ’g amharc nan ro-seol, A bha ’g aisig Mhic Leoid, bu mhor pris, Iuchair ghliocais nan Gael, Fudh na bhrat air a charadh fudh dhion, ’S truagh nach mis’ bh’ air a chòrs ud, ’S gu’n tarruigin mo scoid di gu tìr. Cha chuis fharmaid am pannal, Tha na’n suidh’ air a charraig ud thall, Mnaithean truagha na Hearaidh, Cha cheol cluais th’ air an aire san àm. [TD 397] Ach ged nach urr’ iad a dhùsgadh, Bheir iad greis air bhi rùsgadh an lamh, ’S gur e mheudaich mo mhulads’ Mi bhi’n tìr, far nach cluinninn an gàir. Bu tu leigeadh ri earlaid, ’Nuair a ghabhadh tu tamh anns an Dùn; Bhiodh na Filidh, ’s na Baird ann, ’S b’e ceann-uigh nan Clarsairean thu; Bhiodh na h Ollamhain ard ann Gabhail urraim gach Dàn os an cionn, ’S is dùlan duine gu aireamh, C’ait’ an d’fhuaras riamh fath ort, ach cliu. ’Nuair a bhiodh tu ’s Tigh thallaidh ’G oladh fiona le faram nan teud, Mar bu chubhaidh re t’ ardan Greis ag iomairt air Thailisg do bheus, ’Nuair a thogadh tu ’n ad bhar Cùl sniomhain nant badanan reidh, ’S i do ghnuis a bha flathail, ‘S a bha aoidhail ri caitheadh na feisd. [TD 398] Na’m b’ airm nochta, na luaìdhe, So bhrosnuicheadh uainn thu gu bàs, Gu’m bu lionmhor sud aguinn Cinn-fheadhnaidh nach caisgte gun spàirn, Agus oigridh mhor ghasda, Rachadh sgiamhach fudh dheasachadh arm, ’S tu gu’m b’ urra ’g an seasamh, ’Nuair bu lionmhoir’ na creachan air falbh. ’Nuair a bhiodh tu fudh t’ uidheam, ’S i do ghruaidh bu ghlain’ ruidhe, a’s snuadh, Suil bu mhi-chuisich sealladh, Fudh leacainn aoidhail chaoil mhalaidh gun ghruaim Do bheul tanna dearg ceutach An robh aidhir, a’s eibhneas an t-sluaigh, Corp sneachdaidh fudh d’ leine, Leis an d’ rugadh an fheile mar bhuaidh. Nuair a bhiodh tu aig baile, Bu tu marbhaich na h Eal’ air an tsnamh, A gheoidh glais, a’s a Chathain, Cuid de d’ mhiann a Mhic Athar mo ghraidh, Càs a shiubhal na frith thu, [TD 399] ’S an acfhuinn chruaidh, chinnteach a d’ laimh, Gu’m biodh suaìtheantas fala Air damh craobhach chinn alluidh nam beann. Nuair a thainig thu dhathigh, An deigh a bhi fada san Fhrainc, Bu tu’n curaìdh, ’san gaisgeach, Cas bu luthmhoir’ air faiche nan gleann. Thug gach duine dhuit urram, Gu’m bu taitneach leo cumachd do bhall; Co b’e dh’ amhairceadh suas riut, Bu dlu taitneach cuir gruaig air do cheann. Tha Mac Dhonuill fudh mhulad, ’S air Mac Ghilleoin tha urrad re dithis, Mac Mhic Ailein a Muideart, ’S Mac Mhic Alastair chuntain e leibh, Mu Mhathair fhuasg’laidh nan ceistean, An deighs teachd dhathigh o’n t Seisean, ’s o’n Righ, ’Nuair a theid sibh gu coinneamh, ’S e mo chradh na bheil soilleir ’g ur dith. [TD 400] Bu tu ar baranta a b’ airde, ’S gu’m bheil mise gu brath ga do chaoidh, Lamh dheas an robh m’ earlaid, ’S mise d’fhaodadh a raite gu’m b’i; ’Nuair a bha mi an ascall, ’S a chual’ thu gu’n lagaich mo ni; Cha luaith’ a rainig mi thusa, Na fhuair mi uat dusan bà laoigh. Cha bu charaiche lùb thu, Cha mho shuidheadh tu’u cuis am bitheadh foill, Cha do chuir thu do chuineadh Ann an ciste, no’n culaist dhuit fein, Cha robh, cha bu d’fhiu leat, ’S cha bhiodh tu ri spuinneadh luchd feum. Tha beannachd muintir ga d’ fheitheamh, Gus do dhion ann am Flaitheas Mhic De. Gur sinn th’air ar ciùradh, ’S tha liunn dhubh oirn air drutha mar tha, Mu nar uachdaran duthacha, Bu tu nar barantas surdail a ghnà. Gur e mheudaich ar cùram, Thu bhi d’ chadal san Dùn ud gu brath, [TD 401] Ann an Eaglais nan stuaghan, Far nach cluinn thu do thruaghain ri gàir. Dh’eireadh leatsa gach Sòlas, ’S fhuair thu’n ail bhean ri phòsadh o’n Chleir, Nighean mhaiseach Mhic Dhonuill, Leis an d’ rugadh a chòir ud mar bheus, Suil bu ghlain’ ann an sgathan, Fudh mhalaidh chaoil, aillidh, glain, reidh, ’S mar a dh’ orduich an t Ard Righ, Fhuair thu’n cùnradh a b’fhearr bheir an fheill. [TD 402] MARBHRANN do Phriunnsa Tearlach le Uilliam Ros. COSHEIRM. SOGHRAIDH bhuan dha’n t-Suaithneas bhàn, Gu là luain cha ghluais o’n bhàs, Ghlac an uaimh an Suaithneas bàn, ’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh. Air bhi dhomh-sa triall thar druim, Air Di-donaich, ’s comhlan leam, Leughas litir naigheachd leinn, ’S cha sgeul ait a thachair innt’. Albain arsaidh! ’s fathunn bròin, Gach aon mhuir bàit tha bàrcadh oirn, T’ oighre rioghail bhi san Roimh, Tirte an caol chist’ liobhta bhòrd. ’S trom leam m’osnaich anns gach là, ’S tric mo Smaointin fad’ o laimh, [TD 403] Cluain an Domhain truagh an dàil, Gur cobhartach gach feoil do’n bhàs. Tha mo chridh’ gu briste fann, ’S deoir mo shùl aig ruidh mar àlt, Ge do cheilinn sud air àm, Bhruchd e mach ’s cha mhiste leam. Bha mi seal am barail chruaidh, Gu’n cluinnte caismeachd mu’n cuairt, Cabhlach Thearlaich tighinn air chuan, Ach threig an dail mi gu la luain. ’S lionmhor laoch, a’s mili treun, Tha’n diugh an Albain as do dheigh, Iad fudh ’s ’niosal sileadh dhèur, Rachadh dian leat anns an strèup. ’S gur neo shubhach, dubhach sgi, Do threud ionmhuinn anns gach tìr, Buidhean mheanmnach bu gharg clì, Ullamh, arm-chleasach san stri. [TD 404] Nis cromaidh na cruitearan binn, Am barraibh dhos fadh sprochd an cinn, Gach beo bhiodh ann an Srath na’m beinn, Ag caoidh an co-dhoscuin leinn. Tha gach beinn, gach cnoc, ’s gach sliabh, Air am facadh sinn thu triall, Nis air call an dreach, ’s am fiamh, O nach tig thu chaoidh nan cian. Bha’n tàl òg nach fac thu riamh, ’G altrum graidh dhuit agus miagh, Ach thuit an cridhe nis na’n cliabh, O na chaidil thu gu cian. Ach biodh ar’n urnaigh moch gach là Ris an ti a’s airde ata, Gun e dhioladh oirn gu brath, Ar’n ea-coir air an t Suaithneas bhàn. Ach ’s eagal leam ge math a Chleir, ’S gach sonas gheallar dhuinn le ’m beul, Gu’m faicear sinn ag sileadh dhèur, A chionn an Suaithneas bàn a threig. [TD 405] Cuireamid soghraidh uain gu reidh, Leis na dh’imicheas an cèin, Dh’ionnsaidh ’n àite na luidh an reul, D’fhogradh uain gach gruaim, a’s neul. ’S bitheamid toilicht’ leis na tha, O nach d’fhaod sinn bhi na ’s fearr, Cha bhi nar cuairt an so a gearr, A’s leanaidh sinn an Suaithneas bàn. [TD 406] IORRAM do Bhata Mhic Dhonuill le Iain Lom. MOCH, ’s mi ’g eirigh sa mhadain, ’S trom easlainteach m’aigne, ’S nach eighear mi’n caidre nam brathairean. ’S nach, &c. Leam is aith-ghearr a cheilidh, Rinneas mar ris an t-Seumas, Ris na dhealaich mi ’n dè moch la Càisge. Dia na stiuir air an Darach, A d’fhalbh air tùs an tsiuil mhara, Seal mu’n tug e cheud bhoinne dhe thragha. Ge b’e àm cur a choirc e, ’S mi nach tilleadh o stoc uat, ’S ann a shuidhinn an toiseach do bhàtaidh. ’Nuair bhiodh cach cur ri gniomhadh, Bhiodh mo chuid-sa dhe diomhain, ’G òladh ghucagan fion’ air a fàradh. [TD 407] Cha bu mharcach eich leimnich, A bhuin’geadh geall reis ort, ’Nuair a thogadh tu breid oscionn Sallidh. ’Nuair a thogadh tu tonnag, Air chuan meanmach nan dronnag, ’S ioma gleann ris an cromadh i h-earach. ’Nuair a shuidheadh fear stiuir oir’, ’N àm bhi fagail na dùthcha, Bu mhear-shruthach cuan du-ghorm fudh h-earrlinn. Cha b’iad na Lucharmain meanbha, Bhiodh m’a cupuill ag eileadh, ’Nuair a dh’eireadh mor shoirbheas le bàirlin. Ach na fuirbirnich threubhach, ’S deis’ a dh’iomramhadh, ’s a dh’eigheadh, Bheireadh tulg an tùs clè air ramh braighe. ’Nuair a d’ fholuichte na buird d’i, ’S nach faighte làn siuil d’i, Bhiodh luchd a Taighe sior lùb’ air a h-alach. [TD 408] ’S iad gu’n eagal gun easlain, Ach ag freagradh dh’a cheile, ’Nuair thigeadh muir beucach ’s gach aird orr’. Dol tiomchioll Rugha na Caillich, Bu ro mhath siubhal a daraich, Gearradh shrutha gu Cairidh Chaoil Acuin. Dol gu uidhe chuain fhiaghaich, Mar bu chubhaidh leinn iaraidh, Gu Uist bheag riabhach nan cragh-gheadh. Cha bu bhruchag air meirg’ i, Fhuair a treachladh le h-eirbheirt, ’Nuair a thigeadh mor shoirbheas le gabhadh. Ach an Dubh Chnoideartach, riabhach, Luchdmhòr, ard-ghuailleach dhionach, Gur lionmhor Lann iaruinn m’a h-earaich. Bean chlannmhor air muir i, Shiubh’leadh gleann gun bhi curta, Buill chaineaba ri fulagan ard’ aic. [TD 409] Bha Donull an Duin ann, Do mhac oighre ’s mor cùram, ’S e do stoile fhuair cliu measg nan Gael. Do mhac Uisteach gle-mhor, Dh’am bu chubhaidh bhi’n Sleibhte, O’n Rugha d’an eighte Dun-sgathaich. Og misneachail treun thu, ’S blath bric ort san aodainn) Mur mist’ thu ro mheud ’s a do nàir annt. Gur mor mo chean fein ort, Ged nach cuir mi an ceill e, Mhic an fhir leis an eireadh na Braighich. Ceist nam ban’ o Loch treig thu, ’S o Shrath Oisein nan reidhlain, Gheibhte broic, agus feigh air a h-aruinn. Dh’eireadh buidhean o Ruaidh leat, Lùbadh iubhar mu’n guaillean, Thig o Bhrughaichean fuar Charn na Lairge. [TD 410] Dream eile dhe d’chinneadh, Clann Iain on Einnean, ’S iad a rachadh san iomairt neo-sgathach. ’S ioma oganach treubhach, ’S glac crom air chùl sgeith air Thig a steach leat o sge meall na Lairge. ’S a fhreagradh do t eigheach, Gun eagal gun easlain, ’Nuair a chluinneadh iad fein do Chrois-tarraidh. [TD 411] CUMHA Mhic Leoid, le Lachlan Mac Thearlaich, duin’ uasal de Chloinn Ionmhuinn. THA mulad mor, tha mi-ghean orm, ’S neo-bhinn na tha mi claistinn, Mu’n sgeul tha daoine ’g innseadh dhomh, ’S a thug orm claoidh mu m’ shlainte; Tha mulad mòr gun teagamh orm, Mu’n Ti a chlaoidh, ’s a leadair mi, Gur lionmhor neach da’n leath-trom Dùn-bheagain bhi na fhasach. Cha teid mi’m bliadhn’ air cheilidh ann, ’S neo eibhinn leam ata e, Gun Tuitear ann, gun Tighearna, Ris an dean mo chridhe gàire; Cha d’fhuair mi ach na aonar e, Fuar, falamh, fàs na seomairchean, An t àit’ an chleachd a mhorchuis bhi, Far an tric an d’ òl mi slainte. Gur diomdhach anns an uair so mi, De’n chuairt a thug am bàs oirn, [TD 412] Gu’n tug e ’m fiuran suairce uainn, Co uasal ’s a bha sa cheairn so; Deagh mhac sin Ruairi Thalasgair, Mu d’ bhàs bha daoine galanach, Do cheile bha’n deigh sgaradh dhe, ’S bha’n t-Alastair dhe craiteach. Na’m b’ easbhuidh stoir, na fèudalach, A b’aobhar dha do thùrsa, Gu’m bu lughad a bhitheadh m’ acain, Ri t’fhaicinn làn de chùram; B’e fàth mo bhròin, ’s bu dligheach e, ’S a dh’aognaich ioma cridhe fir, Eadar Aoineard, agus Sniosard Do nighean bhi fudh churam. Bha ioma tìr dha thuille sud, Nach b’ ionann ’s dha do dhuthaich; Bha daoine am bròn gu Caitligeach, Mu’n mhac sin d’fhag an Crùnair, Bha sean Mhac ic Alastair ann, Bha’n Caiptean bh’air siol Ailean ann, Do chairdean uille maile riubh, ’S an Garach dubh o’n Ghiubhsaich. [TD 413] Bha d’ Nabaidh math Sir Donull ann, ’S an cinneadh mòr Siol Uisdean, Gu ’n dearbhainn gu’n robh mulad ann, ’Nuair chuir iad anns an ùir thu; Clann Ionmhuinn sgeul bu duilich leo, Clann Choinnich mheud ’s a chunnaic mi; Do bhàs bu chall gun bhuinig Dha gach duine riamh chuir iul ort. Na’m b’ ann le foirneart naimhdean, Air mo laimh gu’n tugta dhiubh e, Mu’n leigte a mach a nasgaidh iad, Bhiodh cuibhrionn mhath dhiubh ciurte, Ged nach biodh ach a mheud-sa thuirt mi Na’n tarladh dhoibh bhi uidheamail, Ged eireadh barr ’s na hurrad diubh, Bhiodh pudhar air luchd mi-ruin. Ged nach Saighidear treubhach mi, Na neach d’am beus bhi feargach, Na’n tarlainn anns an àraich ud, Ge gnà leam bhi leath chearbach; Ni tha, ’s nach eil mi cruadalach, Na’n tarlainn anns an fhuathas ud, [TD 414] Gu’n seasainn ri do ghualain Anns an tuasaid, ge bu searbh i. Mo chreach! mo bhròn! ’s mo dhiobhail! Rug air duthaich as an d’fhalbh thu, ’S a lughad ’s a d’fhag thu d’leithid ann, Ri fhaighinn ann do nadur; Gu’m b’iondran do dhaoin uaisle thu, Do d’ chairdean, ’s do thuath cheathairn, Do bhantraichean nam cruadail orr’, ’S do thruaghanan gun aird orr’. Gu’m b’iondran do luchd theud thu, Do d’fheumaich, a’s do Bhardaibh, Gu’m b’iondran do na h-uile duin’, A bhuineadh bhi am pairt riut; Gu’m b’iondran mhòr do Ruairi thu, Ged ’s aoidhidhe math aig uaislean e Call caraid ann àm cruadail thu Do dh’ Uaislean Earraghael. Gu’n robh thu gu ciuin macanta, Gun sgraing, gun chais, gun chrìne, Gun lùb, gun fheall, gun seacharan, [TD 415] ’S tu scapach, pailt, ’s tu crianda. Bha taigne iochdmhor, mordhalach, Gun bhreig, gun cheilg, gun bhosd sam bith, ’S ann bu coltach thu ri Osam, Dha’m bu nòs a bhi ’n St. Pritean. Bu tiodal ceart duin’ uasail sin, Gu’n robh thu suairc ad’ ghiulan, Gu sunntach, suilbhear, macanta, Fior chleachdach pailt, ’s tu fior ghlan, O d’ chairdibh bha e dligheach dhuit, Bhi baigheil ris na h-ingheanan, ’Nàm dhoibh bhi ’g an suidheachadh, Fhir chridhe b’ fhiach thu t’ iondran. Bithidh mi sgur, ’s mo bheannachd dhuit, ’S mo mallachd aig a bhàs sin, Luathas a thug e t’anam uain, Gu Aingeal ann am Pharos, Ge bu cruaidh, ’s bu duilich e, Bu bheart a b’eigin fhulang e, ’S air mheud, ’s ga’n can na h-uile neach, Bu duine anns gach càs thu. [TD 416] ORAN cumhaidh air cor na Rioghachd, le Iain Lom. MI gabhail Sraith Dhruimuachdair, ’S beag m’aidhir anns an uair so, Tha’n lath air dol gu gruamachd, ’S cha’n e tha buain mo sproc. Ge duilich leam, ’s ge diobhail, M’fhear cinnidh math bhi dhith orm, Cha’n usa leam an scriobs’, Thainig air au Rioghachd bhochd. Tha Alba dol fudh chioschain Aig Farbhalaich gun fhirinn, Bhar a Chalpa dhirich ’S e cuid de m’ dhiobhail ghoirt. Tha Saghsanaich ’g ar foireigneadh, ’G ar creach’, ’g ar murt’, ’s ’g ar marbhadh, Gu’n ghabh ar n-Athair fearg reinn, Gur dearmad dhuinn, ’s gur bochd. [TD 417] Mar a bha Cloinn Israel Fudh bhruid aig Righ na h-Eiphit, Tha sinn air a chor cheudna, Cha’n eigh iad reinn ach siuc. Ar Righ an deighs’ a chrùnadh, Mu’n gann a leim e ùr-fhas, Na thaistealach bochd, ruisgte, Gun gheard, gun chuirt, gun choisd’. ’G a fharfhuadach as aite, Gun duine leis de chairdean, Mar luing air uachdar Sailidh, Gun stiuir, gun raimh, gun phort. Cha teid mi do Dhuneidin, O dhoirteadh fuil a Ghreamaich, An leoghan fearail, treubhach, ’G a cheusadh air a chroich. B’e sud am fior dhuin uasal, Nach robh de’n linne shuarach, Bu ro mhath ruidhe gruadhach, ’N àm tarruing suas gu troid. [TD 418] Deud chailc, bu ro mhath dluthadh, Fudh mhala chaoil gun mhugaich, Gc tric do dhàil gam’ dhusgadh, Cha ruisg mi chach e nochd. Mhic Neil a Asaint chianail, Na’n glacain ann mo lionn thu, Bhiodh m’fhacal air do bhinne, ’S cha diobrain thu o’n chroich. Thu fein as t-athair ceile Fear Taighe sin an Leimidh Ged chrochta sibh le cheile Cha b’eiric air mo lochd. Craobh ruisgte de’n Abhul bhreugach, Gun mheas, gun chliu, gun cheutaidh, Bha riamh ri murta a cheile, ’N ar fuigheall bheum, a’s chorc. Marbh-phasg ort fein a dhi-mheis, Mar olc a reic thu ’n Fhirinn, Airson na mine Leitich A’s da trian di goirt. [TD 419] ORAN air cor nan Gael an deigh cath Chuilodair, le Rob Donn. Air fonn,—“Mi bhi ’g amharc Srath Chuaiche.” LAMH Dhe leinn a dhaoine, C’uim’ a chaochail sibh fasan, ’S nach eil agaibh de shaorsa’, Fiu ’n aodaich a chleachd sibh, ’S e mo bharail de’n eigheamh, Tha’n aghaidh feilidh, a’s osain, Gu’m bheil cairid aig Tearlach, Ann am Pàrlamaid Shaghsain. Faire! faire! Righ D———a, ’N ann a’ spòrs air do dhislean, Deanadh achdachan ùra, Gu bhi dublaig’ an daorsa’; Ach o’s balaich gun uaisle iad, ’S fearr am bualadh, na’n caomhnadh, [TD 420] ’S bithidh na’s lugha ga d’ fheitheadh, ’Nuair thig a leithid a ris oirn. Mu gheibh do namhaid, ’s do chairid, An t-aon pheanas an Albain; ’S iad na dh’eirich na d’aghaidh, A thog an raoghain a b’fhearr dhiu; O’n tha cairid math cùil ac, A rinn taobh ris na dh’earb ris; ’S a chuid nach d’imthich do’n Fhrainc leis, Fhuair iad pension ’n’air d’fhalbh iad. Cha robh oifigeach gaeleach, Eadar sergean, as coirneal, Nach do chaill a chomision, ’N’air chuaidh ’m briseadh le fòirneart; A mheud ’s a fhuair sibh an uiridh, Ged bu diombuan re òl e, Bheir sibh ’m bliadhn’ air ath-philleadh, Airson nan uinneagan loisean. Cha robh bhliadhna na taic so, Neach a phasadh mur scoilear, Gun comision Righ Bhreatain, [TD 421] Gu bhi na chaiptean air onair, Chuaidh na fichidean as diu, Nach do leasaich sud dolar, Ach an sciursaigeadh dhathigh, Mar chu a dh’ easbhuidh a choilear. Ach mu dh’aontaich sibh rireadh, Ri nur sior dhol a’ mugha’, Ged a bha sibh co rioghail, Chuaidh ur cisean a’ moghad; ’S math an airidh gu’m faicte, Dream co tais reibh a’ camhadh; Tilgibh dheibh ur cuid breacan, As gabhaibh casagan dubha. Och mo thruaighe sin Albain! ’S tur a dhearbh sibh ur reasan, Gur i’n roinn bha’n ur inntinn An rud a mhill air gach gleus sibh; Leugh an Gobharmaid sannt Anns gach neach, a thionndadh ris fein deibh, ’S thug e baoit’ do nur gionach, Gur cuir fudh mhionaich a cheill. [TD 422] Ghlac na Saghsanaich fath oirbh, Gus ur fagail ni’s laige, Chum nach biodhta ’g ur cuntadh, Mar luchd constri ni’s fhaide: Ach ’n’air bhitheas sibh a dh’easbhuidh, Ur lainn, ’s ur n-acfhuinnean shraide, Gheibh sibh searsaigeadh mionaich, As bithith ur peanas ni’s graide. Tha mi faicinn ur truaighe, Mur ni nach cualas a shamhail, A chuid as fearr dhe nur seobhaic, A bhi air slabhraidh aig clamhain; Ach mu tha sibh nur leoghain, Pillibh an doghruinns’ na teamhair, As deanaibh an deudach a thrusadh, Mu’n teid ur busan a cheangal. ’N’air thig bagradh an namhaid, Gus an t-ait’ anns ’n do phill e, ’S ann bu mhath leam a chairdean, Sibh bhi’n aireamh na buidhne, Dha’m biodh spiorad co gaeleach, ’S gu’m biodh an sàr ud na’n cuimhne, [TD 423] Gus ur pilleadh san amhain, O’n tha i romhaibh na’s doimhne. Nis a Thearlaich oig Stiuart, Riut tha duil aig gach fineadh, Chuaidh chothachadh crùin duit, ’S a leig an duthaich na teine; Tha mar nathraichean falaicht’, A chaill an earradh an uiridh, Ach tha ’g ath-ghleusadh an gathan. Gu eirigh latha do thiginn. ’S ioma neach a tha guidheadh, Re do thighinn a Thearlaich, Gus gu’n eireadh na cuimhean, Dheth na bhuidhean tha’n eigean, A tha cantuinn le’n cridhe, Ged robh an teanga ga bhreugadh, Làn do bheatha gu t’fhaicinn, A dh’ionnsaidh Bhreatain, a’s Eirin. ’S ioma oganach aimisichte, Tha san àm so na chadal, [TD 424] Eadar Braighe Srath Chluanaidh, Agus bruachan Lochabair, Rachadh ’n cuisibh mhic t’ athar, ’S a chrùn, ’s a chathair ri thagradh, ’S a dh’ath-philleadh na Ceathairn’, A dhioladh latha Chuilodair. Ach a chairdean na cuirte, Am bheil a chuis a’ cuir fearg oirbh, Na’n do d’fhosgail ur suilean, Gus a chuis a bhi searbh dhuibh, Bithidh ur duais mur a ghobhar, A theid a bhleoghan gu tarbhach, ’S a bhithear a’ fuadach le faoghailt, As ruaig nan gaothar ri h-earbull. Mu se ’m peacach a’s mogha, Is còir a cumhachd a chlaoidheadh. Nach e Seumas an Seachdamh, Dhearbh bhi seasmhach na inntinnn? C’om an diteadh sibh ’n onair, Na’m biodh sibh moladh na daoidheachd? ’S gur e dhluthachd do’n Chreideamh, A thug do choigrich an rioghachd. [TD 425] Fhuair sinn righ a Hanobher, Sparradh oirne le h-achd e; Tha aguinn priunnsa na aghaidh, As neart lagha ga bhacadh, O! Bhith tha urrad na d’bhreitheamh, Gun chron san dithis nach faic thu, Mur e th’ann cuir air adhart, An aon a’s lugha ’m bi pheacadh. [TD 426] ORAN cumhaidh, le mnaoi uasail araid, air Cath Sleibh’ an t-Siorraidh. SGEUL a thain’ an trais oirn, A d’fhailling air mo chiall, Mu dheibhinn Clann Choinnich, a’s Clann Donuill, Thachairt co-luath air an t-sliabh, Thug Morear Huntain as a chasan, ’S beagan each, nach b’fhiach, ’S bha gach Caiptean air an cosgairt, ’S nio mhacs’ air dol diom. Ach sgoirt an greadan fhuair ar duthaich Le Fuigi nach b’fhiach, Tighinn na dheann ruidh bhar na machrach, Mu’m facas a ghniomh; D’fhag sud mnaithean anns a bhasraich, Toirt am failt a nuas, Cha robh duine chualadh chaonag, Nach do chaochail nial. [TD 427] ’S ge bochd mise, ghlac mi misneach, ’S thuirt mi ri cach; Beir uam ur sgeula dona breugach, Na tugaibh eisdeachd dha, Ged nach biodh ach Gordanaich, ’s Clann Donuill, Thachairt co luath anns a bhlàr, Cha toir an saoghal orm a shaoilsinn, Nach tug iad aodainn doibh. ’S gle mhoch an la iar na mhàireach, Mu’n d’àrdaicheadh a ghrian, Bha buaidh làrach aig mo chàirdean, Mur a b’abhaist riamh, Thug iad deannal leis na lannaibh, Gu cruaidh, dainghean, dian, Bha fuil air faobhair, ’s claig’nean sgaoilte, Aig luchd ar ’n obhair sios. ’S e’n Righ a bha ’g ur cònadh, Nar ’n aonar, a’s sibh leibh fein, ’Nuair a theich iad uaibh ur cairdean, ’S ur naimhdean an gleus, Tùs ur lamh an ceann ar lann, Sgolta chnamh gu feur, [TD 428] Sgathadh chluas, ’s a sgolta chnuac, ’S a cuir na ruaig na’n deigh. Ceud mallachd aig a phairte, A d’fhag sibh ann am feum, Bha’n cuirt an Righ, a’s Mhoirir Huntain, Luchd spuinnidh nan ceud, B’iad mo rùin na Saoidhean, Chuireadh an aodain ri gleus, ’N aghaidh nan curs-each dughorm, Bu dubailte srein. Mo lot! a chinn armunn Mhuideart, Bu luthmhoir’ each srein, B’e sud an seobhac suil-ghorm, Fhuair cliu a measg nan ceud, ’S e dol cho dàna an uchd do namhaid. Thug an call ort fein, ’S goirt an cridhe fhuair do chairdean, ’Nuair a d’ fhag iad thu na’n deigh. Thuit Morear uasal òg an t-Srathmhoir, Mo chreach! ’s bu mhor am beud, Am plantas deas daichail, [TD 429] Nach d’fhas ach na gheig, Ged nach facas riamh do mhathair, Chualas caint a thuirt a beul, An taobh chaidh am fear a b’ airde, Cach a dhol na dheigh. Mo dhiobhail dà Iain Grànt Air an àraich fhuair, B’iad na scealp dhaoin’ uaisle tapaidh, Chum an t-sabaid uain, Dha’n robh na Teaghlaichean fial, farsuing, Nach do chleachd a ghruaim, Mo chreach ur clann, ’s ur mnaithean uaisle, Toirt a nuas an gruag. Chaill sibh oigridh sheamhaidh sheolta, Dh’a’n tug mi moran graidh, Dh’a’n robh m’eolas o thùs m’oige, Leam bu bhròn an càll, ’S e meud ur dùchais anns a chùis ud, Dol le lùthas ur lànn Ga’n spada le luaidh ghlas, ’s le fùdar, ’S b’e mo dhiobhail bh’ann. [TD 430] CROSDHANACHD fhir nan Druimnin le Iain Mac Ailein. THA bith ùr an tìr na Dreolluin, ’s coir dhuinn aisneis, Tha moran deth tigh’n am biochionnt’ ri gnàs Shaghsain, Ni ’m bheil duin’ uasal, na iosal, no fear fearainn, Leis nach àill, gu moran buinig, ceird a bharrachd. Tha ceird ùr aig fear nan Druimnin, th’ air leinn tha cronail B’àill leis fein a dhol an àite Mhaisteir Scoile, An t-oide sin fein a rinn fhoghlum, le gloir Laidin, Ghlacadh leis, gun chead a chairdean, a cheird bh’ aige. ’S e aobhar a thug do dhaoine aire thoirt do shant an Scoileir so, ’nuair a mhiannaich se cheird do bhi aig oide foghlum, nach laimhshicheadh e i, mar lamhshicheadh an t-Oide foghluim fein i. Oir ’nuair a ghabhadh an t-Oide foghluim air a dhaltachan, ’s ann a ghabhadh e air na leanabaidh, ach ’s ann a ghabhadh an Scoileir santach so air na daoine arsaidh mar an ceudna. ’Nuair ghabhadh an t-Oide foghlaim air a dhaltachan ’s ann a ghabhadh e air na ciontaich, ach ’s ann a ghabhadh an Scoileir santach air na neo-chiontaich. ’S ann uaith sin a dut bhradh, “Saoilidh am fear a bhios na thamh, gur e fein a’ fearr lamh air an Stiuir,” ach cha mhoide gur he. [TD 431] Cha’n ionnsaich e clann, no leanabaidh, mar bu choir dha, Gus am bi iad na’n daoin’ arsaidh fudh ’n làn fheosaig, Cha tugadh an Cillmocheallaig breath bu chlaoine, No ni rinn an ceann a b’ aird’, a’ màs ’ga dhioladh. Gabhail do chrios an aois arsaidh, air mas seanduin’, ’S fada ma ’n ionnsaich an gniomh sin ciall do theangaidh *, Ge be labh’ras ris an fhear ud, còir, no ea-coir, Gabhar air a Ghiort’ de stracaibh, le crios eille. * Agus b’fhior do’n duine sin, cha d’fhuaireadh riamh rud a dh’ ionnsachadh teanga dioch mhuinte, bu mheasa na gabhail air na màsaibh ann an aobhar na teanga, agus an teanga thuigsin gur h-ann na h-aobhar fein a fhuair am màs am mor-ghleusadh sin. Mar deanadh sin a ciall ni bu mheasa, cha deanadh e ni b’fhearr i. Uaith sin a dubhradh, “Am fear “nach ionnsaich laimh ri ghlùn, cha’n ionnsaich laimh ri “uilean.” A chuideachd da’m bu choir bhi diomhair, ’s a ghnà ’m folach, Cha d’fhagadh da’n dion o chunnart, sion de dh’ earradh, Bha iad aon uair an lathair fianais, an tigh greasaich. Dubhairt nighean † Shomhairle le rabhart, sa gnàs siobhailt, ’S còir gu’m beannaich sinn gu saibhir, cuid gach Criosduidh. [TD 432] B’ fhearr leam ge nach bheil mi saibhir, no luach gearrain, Gu ’m biodh coltas do thriuir gu turn aig Calum. † ’S e aobhar thug do’n mhnaoi bheusaich, cheart, choir so, a radh, a rùn deadh chneasta chum gu ’m biodh aig a fear fein a leithid, sa bhiodh aig a Coimhearsnach; ’s nach suil ghointe, no lombais, a bha aic air cuid a Coimhearsnaich. Mar bh’aig Gillebride mac an t-Saoir ann an Ruthaig, ann an Tirithe, a mhort an ceithirfichid cearc le aon bheumsula, ’s a bhris long mhòr nan cuig crannag, dhaindeoin a Cabluichean sa h-Acruichean. Uaith a sin dubhradh, “Sann de’n cheird a Chungaidh.” Tha bith ùr an tìr na Dreolluin, a thog am Baron, Air gach aon fhear a labh’ras bunachaint, rusgadh feamain, Ma sgaoileas air feadh gach tìr am bith thog Tearlach, ’S teann as nach feudadh re h-uine, e fein bhi paidhte. Maruigeasan gearan so Seumas, breitheamh sàr mhaith, Cha tog e dochair mu dheibhinn, ach Glag mòr gàire ‡. ‡ Agus bha aobhar na dha aig an t-Siorramh choir air gàire do dheanadh, thaobh gu’n d’rug tiomchioll ghearraidh airsin, le coimhearsnachd Ban Spaintich do thachir ris. ’S ann uaith sin a dubhradh, “An duine ni teine math deanadh e fein a gharadh “ris.” [TD 433] ORAN do d’Fhear an Earrachd. Air fonn,—“Air tiuiteam a’m’ chadal,” le Mac Codrum. FHUAIR mi naigheachd ro mhath leam Air Coirnealair Ailean, Dha’n dùthchas an t-Earrachd O chionn tamuil, a’s cian, ’S e do dhualchas bhi fearail, ’S e do bhèus a bhi smiorail, ’S e do cheutaidh chuir all’ ort, Thaobh barrachd do ghniomh, Bha thu treun an tìr ain eoil, ’Nuair a dh’ eireadh a charraid, Bha thu gleusda ’nàm tarruing Nan lànn tana san strì; Bha thu laidir le ceannas, Anns gach ruaig, agus deannal, Bhiodh do naimhdean a’ gearan Le aithreachas sgi. Tha na h-urrad de bhuaidh ort, Tha gach duine ann an luaidh ort, [TD 434] Tha thu urramach, suairce, Tha thu uasal, ro ghrinn, Tha thu furanach truacant’, ’S bla do chridhe, ge cruaidh e, Lamh a dhioladh nan duaisean, Bheireadh uat iad neo-chrion. Uasal, foisteanach, stàtail, Ghleidheas meas anns gach aite, Mor inntinneach, àgh-mhor, ’S ann an tabhachd gu cinnt; Gabhail foghluin gach cearna, Agus cleachda mhic àrmuinn, Cha’n eil aon ann de’n àl so Gheibh barr ort sna gill. ’S mor t’ onair, ’s cha neonach, ’S leat deagh ghean Righ Deorsa, Nam Flaitheanan òga, ’S luchd steornaidh nan crioch. Thog thu Reiseamaid chòmhlan De spealpairean spòrsail, Gillean sgiolta na’n còmhdach, Clis comhnard, nach cli, Fiurain sheasmhach, làn cruadail, [TD 435] Anns gach ball ni iad buannachd, Bithidh srann aig an luaidh Dol le luathas ann an gniomh, Bhithidh ar naimhdean am bruailean, Bithidh an teagal ’ga’m buaireadh, Le faobhar ur cruaidh lànn Theid fuathas gu di. Leat dh’ eirich na conspuinn, ’S na treun-laoich tha leoghant’, Cha ni furas an leonadh, Fir chrodha gun chlaoidh, Meanmach, urranta, seolta, Garg, fuileachdach, stroiceach, Searbh-bhuilleach nam toiseach, Chuir gach foirneart gu di. ’Nuair a ruisgeas iad claidheamh, Ri aodan a chatha, Bithidh gach cuis leo rathail, ’S neul flath air gach saoi; Chluinntear fuaim ri sìr sgathadh, Air luchd diomdhaidh na’n luidhe, Bithidh cuid diu na’m bloidhibh, Brisear cnaimhean, a’s cinm. [TD 436] Comunn anbarrach, treubhach, ’N aon àite cha gheill iad, ’S iad bhuaileas na speicean, Gun deistean, gun sgios, Bheir an Rioghachd dhoibh urram, Nach facas an tionnal, Ga’n cuir cruinn aig aon duine, Co ullamh le spid. Na h-Oifigich ordail, ’S iad uil’ air deagh fhoghlum, Clann Ghilleoin nan srol leat, ’S buidhean Lòchaidh na’n still, Gaisgich mhear’ de Chloinn Donuill, Fial, faramach, constritheach, ’Nuair chromas iad co-luath, ’S beag theid beo as an lion. So i ’n Reiseamaid thoirtail, Bhitheas ainmal gu coisneadh, Chuir thu fein air a cois i Gun chostas do’n Righ; Gun urrad a’s sgillinn Iaraidh, na shireadh, Airm, aodach, na inneal, [TD 437] Cha robh sin ort a dhith. Rinn thu an earradh gu sàr mhaith Le deiseachan scarlaid, Cha tug thu dhoibh tamailt, Am madar, cha b’ fhiach, Cha ’n aithnichear air sràid iad, Seach na h-uaislean, a’s àirde, Le feilichean àluinn, ’S osan gearr air chois chruinn. Bu tu cridhe na feile, Bu tu ulaidh nam feumach, Bu tu fuasgladh nan deirceach, Bithidh mac De riut an sith, Leis na thug thu do bhochdaibh, Chuir an Urnaigh an stoc thu, Guidheadh an-moch, a’s moch leat, Thu bhi an sonas, ’s am prìs. Gur ioma leth pàidhe, Rinn thu ghleidhe, ’s a theàrnadh, Do thruaghain gun chairdean, Air an d’fhaillig gach ni: ’Nuair a ruigeadh iad t’ fhàrdoch. Be sud ionad a bhlàthais doibh, [TD 438] Bu mheasa na plaigh dhoibh, Gu’m fàsadh tu tìnn. Cha’n eil buaidh bha air duine, Nach do ghlaodh riut gu buileach, Tha thu d’ shealgair sa’ mhona, Ni thu full ann san fhrith, ’Nuair theid thu air t’ uilean, ’S a bheumas tu chorag, Bithidh damh ceirgheal a mhullaich, Leis a bhuille ud a dhith, Grad leumaidh do chuilean Gu beurra na mhuineal, ’S e ’s eigean da fuireach, ’S cha b’ uras a chlaoidh; Cha’n eirich e tuille, Cha’n eil feum na chuid luinneag, Sgianan geur’ aig gach Curaidh Toirt a chulaidh o dhruim. Buaidh, a’s piseach gu brath leat; Gu gleidheadh gach làraich, ’S gu seasamh nan càirdean, Far an àlaichear sibh. [TD 439] Meas sioruidh gun aicheadh Bhi leibh anns gach àite, Na dhiricheadh cach oirbh, Na robh failling nur spìd; Ach bhi buinig le h-abhachd Air gach turas gu statil, Gu fulannach, dàna, Cuir gach làrach fudh ur cìs. Urram, onair, a’s càirdeas, A bhi ’gur leantuinn sgach àite, ’S bithidh mo ghuth-sa ’s na dànaibh, Gu brath air ur tì. [TD 440] ORAN cumhaidh le mnaoi uasail ann an Srath Ghlais d’a Fear fein, dha ’m b’ ainm Gilliosa Mac Bheathan, air dha tuiteam ann an Cuilodair. OCH! a Thearlaich òig Stiuart, ’S e do chuis rinn mo lèireadh, Thug thu uam gach ni bh’agam, Ann an cogadh na d’ aobhar, Cha chrodh, a’s cha chàirdean, Rinn mo chràdh, ach mo cheile, O’n la d’fhag e mi m’aonar Gun sian san t-saoghal ach leine, Mo rùn geal òg. Co nis thogas an claidheamh, Ma ni Chathair a lionadh; ’S gann gur e tha air m’ aire, O nach mairthean mo chiad ghradh. Ach cia mar gheibhinn o m’ nadur, A bhi ’g aicheadh na ’s miann leam, A’s mo thogradh co ladair Thoirt gu àite mo Righ math, Mo rùn geal òg. [TD 441] Bu tu’m fear slinneanach leathann, Bu chaoile meadhon, ’s bu dealbhaich, Cha bu tailear gun eolas, Dheanadh cota math gearr dhuit; Na dheanadh dhuit triuthas, Gun bhi cumhann, na gann duit, Mar gheala bhradan do chosan, Led’ ghearr osan mu d’ chalpa, Mo rùn geal òg. Bu tu’m fear mor, bu mhath cumachd, O d’ mhullach gu d’ bhrogan, Bha do shlios mar an Eala, ’S blas na meal air do phògan, T’ fhalt dualach, donn, lurach, Mu do mhuineal an ordugh, ’S e gu cam-lubach, cuimeir, ’S gach aon toirt urram d’a bhoichid, Mo rùn geal òg. Bu tu iasgair na h-amhunn, ’S tric a thathaich thu fein i, Agus sealgair a mhonaidh, Bhiodh do ghunn air dheagh ghleusadh. [TD 442] Bu bhinn leam tathunn do chuilein, Bheireadh fuil air mac eilte; As do laimh bu mhor m’ earbsa, Gur tric a mharbh thu le cheile iad, Mo rùn geal òg. Bu tu poitear na dibhe, Nam suidhe ’s tigh òsda, Co b’e dh’oladh ’s tu phaidheadh, Ged thuiteadh cach mu na bordaibh, Bhi air mheisg cha ’n e b’fhiu leat, A’s cha d’ionnsuich thu òg i, ’S cha d’iar thu riamh mutha, Air chul do mhna pòsda. Mo rùn geal òg. Bha mi greis ann am barail, Gu’m bu mhairthean mo cheile, ’S gu’n tigeadh tu dhathigh, Le aidhir, ’s le faoilteachd; Ach tha ’n tàm air dol thairis, ’S cha’n fhaic mi fear t’ eugais, ’S gus an cuir iad mi ’s talamh, Cha dealaich do ghaol rium, Mo rùn geal òg. [TD 443] Och! as och! gur mi bochdag, ’S mi lan osnaich an cònuidh, Chaill mi duil ri thu thighinn, Thuit mo chridhe gu dòrtadh, Cha tog fiodhall, na clàrsach, Piob, na taileasg, na ceol mi, Nis o chuir iad thu’n tasgaidh, Cha duisg caidre dhaoin’ òg’ mi, Mo run geal òg. Gur mis’ th’air mo sgaradh, ’S ge do chanam, cha bhreug e, ’S ioma tè bha na bantraich, Nach d’fhuair samhladh de’m’ cheile; Fear do cheile, a’s do thuigse, Cha robh furas ri fhaotuinn, ’S cha do sheas ’n Cuilodair, Fear do choltais bu treine, Mo rùn geal òg. ’S ioma baintighearna phrisail, Le’n sioda ’s le sroltaibh, D’ an robh mis’ am chuis fhàrmaid, Chionn ’s gu’n tairgeadh tu pòg dhomh. [TD 444] Ge do bhithinn co sealbhmhor, ’S gu’m bu leam airgid Hanobhair, Bheirinn cnac anns na h-aitheannta, Na’n cumadh cach uam do phògan, Mo rùn geal òg. ’S ioma bean a tha brònach, Eadar Troternis, a’s Sleibhte, Agus te tha na bantraich Nach d’fhuair samhladh de m’ cheile, Bha mise làn sòlais, Fhad ’s bu bheo sinn le cheile; Ach a nis o na d’fhalbh thu, Cha chuis fharmaid’ mi fein doibh, Mo rùn geal òg. [TD 445] CUMHA do Mhac Leoid, le Mari Nighean Alastair Ruaidh. GUR e naidheachd so fhuair mi, D’fhuaidich mo chiall uam, Mar nach bitheadh i agam, ’S nach fhacadh mi riamh i; Gur e Abhul an Lis so, Tha mise ga iargan; I gun abuchadh meas oir, Ach air briseadh fudh ciad bharr. Gur e sgeula na creiche, Tha mi nise ga eisdeachd, Gach aon chneadh mar thig orm, Dol an tricid, san deinid, Na chunnadh, ’s na chualas, ’S na fhuaireadh o’n cheud là, Creach nid an t-seobhaic, Air a sgatha ri aon uair. Ach a Chlann an fhir alloil, Bu neo mhalairtich’ beusan, [TD 446] Ann an Lunduinn, ’s am Paris, Chaidh nur cliu tharais Thar talamh na h-Eiphit, Cheann uidhe luchd Ealaidh, ’S a leannan na feileachd. Ach a fhriamhaich nan Curaidh, ’S a chuilein nan Leoghan, A’s Odha an dà Sheanar, Bu chaithreimich’ loistean; C’àit’ an robh e ri fhaotuinn Air an taobhs’ an Roinn Eorpa, Cha b’fhuras ri fhaighinn Anns gach rathad, bu doigh dhuibh. Ach a Ruairi mhic Iain, ’S goirt leam fhaighinn an sgeuls’ ort, ’S e mo chreach-sa mac t-athar, Bhi na luidhe gun eiridh, Agus Tormaid a mhac-a, A thasgaidh mo cheille! Gur e aobhar mo ghearain, Gu’n chailleadh le cheil’ iad. [TD 447] Nach mòr an sgeul scriobhaidh, ’S nach iongna leibh fein e, Duilleach na craoibhe, Nach do sgaoileadh am meanglan, Ann robh cliu, agus onair, Agus moladh air deagh-bheart, Gu daonnachdach, carthanach, Beannachdach, cèutach. Ge goirt leam an naidheachd, Tha mi faighinn air Ruairi, Gun do chorp a bhi ’s Dùthaich, Anns an tuama bu dual duit; Sgeul eile nach usadh, Tha mi claistinn san uair so, Gar nach toir mi dha creideas, Gur beag orm ri luaidh e. Gur ro bheag a shaoil mi, Ri mo shaoghal gu’n eisd’mid, Gun cluinneamaid Leoidich, Bhi ga’m fogradh a’n oighreachd, ’S a’n còirichean glana, ’S a’m fearainn gun deigh air, [TD 448] ’S ar ranntanan farsuing, Na’n rachta nam feum sud. Gu’n eireadh na d’ aobhar Clann Raonuill, ’S Clann Donuill, Agus tigh mhic Ghilleoin, Bha dainghean nur seorsa, Agus fir Ghlinne Garaidh, Nall thairis a Cnoideart, Mar sud, a’s Chiann Chamaroin, O champ Inbhirlochaidh. ’S beag an t-iongna Clann Choinnich, Dheanadh eireachd mu d’ghuailean, ’S gu’n robh thu na’m fineachd, Air d’fhilleadh tri uairean, ’S e mo chreach gu’n do Chinneadh Bhi mo chruinneachadh t’ uamha, Na glaodh do mhna muintir ’S nach cluinntear, ’s an uairs’ i Tha mo cheist air an Oighre, Th’a stoidhle ’s na Hearadh, Gar nach deach thu san tuam’ ud, [TD 449] Far mo dual duit o d’ Sheanair. Gur ioma fuil uaibhreach, A d’fhuairich ad bhallaibh, De shloinne nan Righrean, Leis na chiosaicheadh Manainn. ’S e mo ghaols’ an sliochd foirmail, Bh’air sliochd Ollaghair, a’s Ochraidh, O bhaile na Boirbhe, ’S ann a stoidhle tu’n tòiseach; Gur ioma fuil mhordha, Bha reota sa chorp ud, De shliochd armunn Chintire, Iarl’ Il’, agus Rois thu. Mhic Iain Stiuart * na h-Apunn, Ged a’s gasd’ an duin’ òg thu, Ged tha Stiuartaich beachdail, Iad tapaidh nàm foirneart, * Stewart of Apin was married on a daughter of Mac Leod of Dunvegan, which made the Mac Leods be afraid, lest he should claim a right to the estate, since Mac Leod left no male heir to succeed him. [TD 450] Na ghabhsa meanmadh, na aiteas, A’s an staid ud, nach còir dhuit, Cha toir thu i dhaindeoin, ’S cha’n fhaigh thu le deoin i. C’uim’ an tigeadh fear coigreach Thagradh ur’n Oighreachd; Gar nach eil e ro dhearbhta, Gur searbh e ri eisdeachd, Ged tha sinn’ air ar creachadh Mu Chloinn mhac an fhir fheilidh, Sliochd Ruairi mhoir alloil, ’S gur airidh iad fein oir. [TD 451] MARBH-RANN do d’Fhear Airi mhuilin * ann an Uist a Chinn a Deas. ’NUAIR bha’m bàrr agaibh sgaoilte, ’S ann a chaochail an t armunn, Thug do chuideachd gu h-eigheach, ’S ann doibh fein nach bu nàrach; ’S iad a chaill am fear-taighe, Bha gu flathasach sàr-mhaith, Agus ceannard na cuideachd, Cha b’e’n sgrubaire a bha’n sud. Bu tu beannachd na tuatha, Bu tu an gualachan laidir, ’S tric a bheireadh tu suas iad, Ri àm cruadail, a’s gabhaidh; Am fear a ghabhadh mar thaic thu, Cha bu ghaiseadh sud dhasan, ’S tu gu’n cumadh air doigh e, ‘S a sheasadh còir dha sgach àite. * Brother to the celebrated Flora, who suffered much for her loyal deeds. [TD 452] Naile chunnaic mi uair thu, ’N am gluasad air sràid dhuit, Bu ghlan ruidhe do ghruaidhean, Bu deas gluasadh do shalach; Cha’n fhaic mi mu’n cuairt duit, Fear a ghluaiseadh na d’ nadur, Cha thu tais ris na truaghain, ’S bha thu cruaidh ri fear laidir. ’N àm cruinneachaidh Sgireachd, Bu tu firean na h-àilleachd, Rionnag shoilleir ’s an spèur thu, Bhiodh tu feinn ann mur sgathan; Ge do chruinneachadh na cèudan, Do luchd beurla, agus gailic, ’S ann a bhitheadh an t-urram, Aig an duin’ tha mi ’g raite. ’N àm tighinn gu t-fhardaich, Bu tu an t-àilleagan riamhach, ’S ioma neach leis ’m bu deonach, Pairt dhe d’ chòra a chluinntin, ’S a nis o nach beo thu, Bithidh sinn doltrom ’g a chaoidh sud, [TD 453] C’aite am faicear air t-àite Fear co blà ruit an inntinn. Bu tu ulaidh nan deirceach, Nam feumach, ’s nan truaghan, Bhiodh gach baintreach, a’s dilleachd; Dioltadh mu’n cuairt duit. Tha’n cruadal air tighinn Cha toir leighe dhoibh fuasg’ladh, O’n lath d’fhaluich an ùir thu, ’S mòr an iondrain tha uapa. Bu tu cridhe na fèilidh, B’e do bheusan bhi diaghaidh, Bu tu an còm an robh tuig-se, An gliocas, ’san riaghailt, Bu tu breitheamh a cheartais, Chuireadh smachd air luchd mi-thlachd, Fhad ’s a bha thu san t-saoghal, Bha aoidh dhaoin’, agus Dhia ort. Beul a labhradh an fhirinn, ’S a dh-innseadh gun sgath i, Bha do ghealla co cinnteach, [TD 454] ’S ge do scribht’ e air paipeir; Tighinn air nais cha b’fhiach leat, Bha t-inntinn na b’airde, Uasal, onarach, fior ghlic, ’S tu bu diriche caileachd. Lean thu urram, ’s bu dual duit, Bha math fuaite ri d’nadur, Bha thu furanach, aobhach, Cha robh caoch’ladh na d’ abhaist. Gun charachadh, daonnan Air an aon steidh ghnathaichte, Far am fagainn an nochd thu, Gheibhinn moch ann thu maireach. ’S lion-mhor beannachd a’s osnadh, Bualadh bhas agus gàirich, Bha mu’n cuairt air do chorp-sa, ’Nam am brat bhi ’ga chàramh; Cha’n eil t’fhardach ach cumhann, Air a dubhadh, ’s a tairngeadh, Bhi gad’ tharruing gu uaimh, An sgeul tha cruaidh le do chairdean. [TD 455] Mo bheannachd air t-anam, Cha dean gearan gnè sta dhuinn, Tha ’m bàs dhuinn an cleachda, O cheud pheacadh ar paraint; Gu’n tugadh ard righ nan Aingeal, Tamh dha t’anam am Pharais, ’S ann dhas’ a’s leir co tha airidh, ’S cha ne ar barail, a thearnas. [TD 456] ORAN air breith Phriunnsa Tearlach, le Mac Lachlain Chille Bhride. NAIGHEACHD a fhuair sinn an tras, A thainig oirn nuadh do’n tìr, Chuir e m’ airtneal air chairtealan uam, ’S rinn e aigeantach, uallach sinn. Cha bhi sinn tuille ni ’s mo, Aig D——sa fada fudh chìs, Thig gach fortan ri linn a Phriunns’ oig, ’S geibh gach neach tha air fogradh sith. Rugadh Phenics thall anns an Roimh, Sgeul aigeantach mor ri linn, Gu’m bi neart, agus ceart mar ri treoir, Aig gach fear sheasas còir an Righ. Theid a chuibhle fhathast mu’n cuairt, ’S am fear a tha shuas bithidh e shios, Bithidh ’m fear, a tha streup’ ri, gu h-ard, ’S fear eile gu làr tuitidh sios. [TD 457] Tha reannag a bhreithe mar tha, Toirt fios, agus faisneachd fhior, Am Mac rathail sin thainig an tras, Chuir Athair nan Gràs ’gùr dion. Co b’e thogas na aghaidh a lamh, Gheibh iad breathanas araid gu cinnt, Thig orr’ cogadh, gort, agus plaigh, A’s faotuinn a bhais a chean bidh. Tha Neptun ag mionnachadh dha, Gu’m bheil muir dha co reidh a’s tìr; Tha Eol ag feitheamh a ghnà, Gu’m faigheadh e fhabhar le gaoith; Tha Mars as a chlaidhe na laimh, Le buaidh chatha sgach ait’ am bi; Tha planta nan duilleagan bla, Toirt urraim na’n aiteachan fein. Thig mutha air fonn an droch gnè, Cha bhi dris ann an làr nach crion, Bithidh gach tulach na h-iomairean reidh, ’S fasaidh ’n Cruithneachd air aodain shliabh; Cha dean sinn tuille cion fath, O na theirig an fhreamh, ’s nach cinn, [TD 458] Sin an gartlan, a chairtean bhar laimh, A bha bacadh deinn fàs ’nar siol. Sgeul eile ’s cha cheil mi e ’n tràs, Cuiridh coille trom bhla os a cinn, Cuiridh ’n talamh gun airceas de barr, Tachdar mara cuir làn sgach lion, Bithidh bainn’ aig an eallach sgach ait, Mill air bharraibh nan srabh sgach tìr, Gun ghoinne, gun airceas, gu brath, Falbhaidh gail-shion ’s thig blathas nan sian. [TD 459] CORADH eadar Iain Brun Seanacha do Phriunnsa nan Gaël, agus uaireadair pocaidh, ann an lorg glealltanais, a rinneadh do’n uaireadair ann sa bhliadhna 1794, agus nach d’fheudadh a cho’lionadh gus a bhliadhna 1798. Air fonn—“Srath chuaiche, le Iain Lom. TABHAIR fios uam do’n Bhrunach, Tha tric an cuirt nan daoin’ uaisle, Gu’n do dhearmaid e ghealladh, Eadar Ath’, agus Cruachan; O’n a bha mi co treubhach Ag cuir an ceill da nan uairean, ’Nuair a ruiginn Duneidin Gu’m faighinn eideadh ùr, uaine. Fhuair am Brunach gle shaor mi, ’S is ioma taobh leis a ghluais mi, Eadar làrach Iain Grota, [TD 460] Agus Dobhar nam bruachan; ’S ioma gleann, agus brughach, Leis a shiubhail mi’n uaigneas; ’S bha mi ’m fianuis an Righ leis, ’S mi ag innseadh nan uairean. Nis dhearbh mi mo dhilseachd Anns gach tìr ann do ghluais sinn, Am feadh a bha sinn ag sgaoileadh, Craobh Rioghail nan Stiuartach, Craobh a’s maisiche geugan, Tha ri fhaotuinn san uair so, Ged chaidh ’n Stoc aic a bhearradh, ’S a charadh o dhualchas. ’Nuair a bha e na chabhaig, Cha d’agair mi cruaidh e; Ach ’s beag an diagh as a phoca, Na bheireadh dhomh-sa cot’ uaine; Shaoilinn fhein gu’m bu nàr leis, (Mur aill leis m’ ath-nuadhachadh) Bhi ’g am’ tharruing-sa lathair, Ann an Arcis nan uaislean, [TD 461] Nis mur faigh mi na gheall e, Cha’n eil ball diom a ghluaiseas, Ni mi cadal gun dusgadh, ’S cha chunt mi na h-uairean; Ged uraich e ghealladh, Cha charaich a m’ shuain mi, Gus am faigh mi mo chòtan, A’s slabhraidh òir chum as suas mi. Guidheam ort a bhi tosdach, ’S na brosnuich cho cruaidh mi, ’S cuimhne leamsa mo ghealladh, Ge fad’ tha o’n uair ud, Fhuair thu uam e gun mhearachd, ‘S am fallas mu ’m ghruaidhean, Mi ri coiseachd taobh Atha, ’S casg’ mo phathaidh o’n fhuaran. Bha na maighdeanan Gaëleach, Ag tearnadh o’n bhuailidh, Le’n cumanan làna, ’S fiamh ghàir’ air an ghruaidhean. “Dhuin’ uasail th’air choiseachd [TD 462] Gabhsa deoch as a chuaich so, ’S e do bheatha ’n tigh m’athar, ’S na triall na ’s fhaide ’s an uair so.” Bha fleasgaich nan gearr chot’, ’S na’n calpanan boidheach, Tarruing bhradan le liontaibh, As na linnteanan dorcha; Bha na treudan le’n àlach Air na fasaichean gorma, ’S coin na coill’ air gach laimh dhuinn, Cuir mile failt’ oirn le’n òrain. An sud a fhuair thu mo ghealladh, ’S creid mi labhairt san uair so, Seal mu’n tig a bhliadhn’ ùr ort, Theid do dhùnadh ’n cot’ uaine; ’S mu tha ball diot air failling, Gheibh e chàradh, ’s ath-nuadhach’, ’S bithidh tu fhathast ùr, aluinn. Leams an Arois nan Uaislean. ’S cha treig mi gu brath thu, Gus an cairear san ùir mi, [TD 463] ’S bithidh tu ’n sin mar as aill leam, Faotuinn cairdeis Nic Dhughaill *, Bean as taitneiche nàdur, A’s àillidh, ’s a’s ciuine, Bheir i dhuit gach ni’s aill leat, Airson na daimh bh’agad rium-sa. * His wife. [TD 464] ORAN do Mhuinntir a chaidh do dh’America as na h-Eileanan Gaëleach. Air fonn,—“Air tuiteam a’m’ chadal,” le Mac Codrum. TOGAIBH misneach, a’s sòlas, Bithibh inntinneach, ceolar, Agus cuiribh ur dòchas Ann an cònadh an Ard Righ; O’n is fheudar dhuibh seoladh, ’S nach ann dhe’r deoin e, Do riogheachd nach eol duibh, Mur a thoisich ur cairdean; O nach fuilig iad beo sibh Ann an criochaibh ur ’n eolais, ’S fearr dhuibh falbh dhe’r deoin, Na bhi fudh mar thraillean; ’S iad na h-uachdarain ghòrach, Chuir fuaradh fudh ’r sronaibh, Bhris muineal Righ Deorsa, ’Nuair d’fhog’radh na Gaïl. [TD 465] Mu thig cogadh, a’s creachan, Mar as minig a thachair, ’S ann a bhitheas sibh ’nar starsnaich, Fudh chasaibh ur namhaid, Tha sibh soirbh ri ur casgairt, ’S gun neach ann gu’m bacadh, Tha ur guailean gun taicse, ’S na gaisgich ’gur fagail. Righ gur sgiolta ri’m faicinn, Na’n seasamh air faiche, Le’n aodaichean gasda, De bhreacanan carnaid, Na tha falbh uaibh an ceart uair De dh’oganaich dhreach mhor Gun truailleadh, gun ghaiseadh, Gun taise, gun tàire. Thug sud scriob air Mac Dhonuill, Thug e spuilleadh air moran, Thug e lomadh air Cnòdairt, Thug e leon air Clann Raonuill; Falbh nam fear òga, Falbh nam fear mòra, Falbh nam fear cròdha, [TD 466] ’Nàm na tòireachd a phàidhe, Bithidh Cinn Chinnidh na’n aònar ’S an slinnean gun còdach, Gun treise, gun chònadh, ’Nuair thig foirneart a làthair. Ur naimhdean gu spòrsail ’G ur stampa fudh ’m brògan, Luchd foirneart gu treorach, Gun neach beo gus an aicheadh. ’S truagh ’n gnothach ri smaoineach, Tha’m fearann ’ga dhaorach, Ghrad d’fhalbh ar cuid daoine, ’S thainig caoraich na’n àite. ’S lag an sluagh iad, ’s is faoin iad, Dol an carraid, na’n caonaig, Làn bracsaidh, a’s caoilidh, ’S iad fudh dhraoith ghille-martain. Cha dean smiuradh ur saoradh, ’N lathair batail air raonaidh, Na fead cipear an aonaich, Gnè chaoch’laidh dhe’r ’n ànradh. Moilt, na reitheachan caoilidh, Ge do chruinnich sibh caogad, [TD 467] ’S beag a thogas a h-aon diubh, Claidhean faobharach staillinn. Ciod ’m fath bhi ga innseadh, Ach gu’n d’fhas iad co-mithur, ’S gu’n spothadh iad frideag, Far an direadh iad feardain, D’fhalbh na Ceannardan mileant’ Dha’n robh sannt air an fhirinn, Dha’n robh geall air an dilsean, Agus cuinge air an namhaid. Air an tuath bha iad cuimhneach, Cha b’ann gus an sgriobadh; Bhitheadh bantraichean, ’s dilleachdain, Dioltadh gu saibhir. Gach truaghan gun dìth air, Mu’n cuairt air na suinn sin, Nach sealladh gu h-iosal, Bha’n inntinn ro àrda. Dia a stiuireadh ur gnothaich, Air gach taobh, agus romhaibh, A nunn thar chuan domhain, A’s coimhiche gàire. [TD 468] Thugadh Eolas earail Do’n ghaoith a bhi tairis, Gu’n giulain i thairis Ur mnaithean ’s ur paisdean. Bitheadh fairge na mothar, Thoirt an spìd as an reothard, Aig Neptun ga clothadh, Gun e thomhas ro arda, Gus an ruig sibh am fearann, Gun eagal a ghabhail, Dol air tìr mar a’s math leibh Ann an calachain sabhailt. Triallaibh nis fhearaibh Gu duthaich gun ghainne, Cuiribh cùl ris an fhearann, Chaidh thairis am màl oirbh. Gu duthaich a bhainne, Gu duthaich na meala, Gu duthaich an ceannaich Sibh fearann gu’r’n ailgheas, Gu duthaich gun aineis, Gun chreanadh, gun stanard; Far an cnuasnaich sibh barrachd, [TD 469] ’S a mhaireas re ur laithean. ’S e an saighidear glic, fearail, ’Nuair a chitheadh e barrachd, A theicheadh le anam, ’S nach fanadh air laraich. Seallaibh mu’n cuairt duibh, A’s faicibh na h-uaislean, Gun iochd annt ri truaghain, Gun suairceas ri daimheich, ’S ann a tha iad am barrail, Nach buin sibh do’n talamh, ’S ged fhag iad sibh falamh, Cha’n fhaic iad mar chall e. Chaill iad an sealladh, Air gach reachd, agus gealladh, Bha eadar na fearaibh, Thug am fearanns’ o’n namhaid, Ach innseadh iad dhomhsa, ’Nuair theid sibh air fog’radh, Mur caill iad an còir air, Gun doigh air a tearnadh. [TD 470] ORAN do’n Chath-bhuidhin Rioghail, Ghaëleich, an deigh Chath na h-Eiphit ’san bhliadhna 1803. ’S an ochd-ceud-deug, a’s bliadhna, ’S am beuc na siantan àrd, Tha gaoth an Ear air sciathaibh Toirt sceul an Iar gun chaird, Faraon tha cliuiteach, ’s cianail, “Gun thuit mor Thriath ’san àr, D’ar sloigh gu’n thuit na ciadan, Fa-leith laoich fhial nan Gaël.” Mu thuit, cha b’ann gun deagh-chliu, A dh’èug an laochraidh gharg, Gun d’aithnich Raogha nan Saor-fhear, Gur garbh an glèus na’m fearg. Dhi-laraich iad gu leir sgrios Do-cheannsuich threin ’san t-sealg, [TD 471] A’s chuir am Bratach bheudach, Mar chuimhn’ an èuchd da’n Alb’. Is cha b’e co-throm Feinne, A fhuair na trein ’sa’ bhlàr; O’n cùl, ’s fudh dhuibhribh oiche, Do-cheannsuich thain’ na’n dàil, ’S cath-bhuidhean eil’ re’n aodain, Bu leor r’an claoidh ’san àr; Ach thionndaidh, ’s chuir gu maidhm sud, ’S am fuil ag taom’ gu làr. ’N’air shaoil Menou gu’n d’aom iad, Chuir Marc-shluagh trein gu’n còir, Eich Arabach, luath, leimneach, A dheanadh èuchd air thòir: Dh’ath bheothaich Gaïl ghleusda, A’s chuir na’n steud sud fòs; Bha Breat’naich uile treubhach, Ach sibhse treun thar glòr. O’r feadain ghlas’ ag smuidrich Bha frasa druiteach gèur’, [TD 472] Ur gunna-bhiodaga ruisgte Mach air an Druim na’n stèud, Ur claidhean sgaiteach, lùthmhor, Ag snoigheadh smuis, a’s fheith, Sin dhearbh nach sibh na Lùb-fhir, Bha faoineis riu mu’n Rèn. Ni bheil e’n comas dhaoine An trèine dol ni’s àird, Na chaidh na Gaïl ghleusda An tìr na h-Eipht an tràs, An cliu a bha co daor dhuibh, Mo dhoigh, a chaoidh nach caill Bithidh neart, a’s cliu nam fraoch bheann, Sior chuir re’r daoin’, ’s re’r càil. Leam ’s duillich na fir chrodha, A bhi fudh’n fhoid gun deo, Ro fhad’ o’n dilsibh brònach, Nach cluinn an glòr ni ’s mò; Ach ’s aoibhinn do na beothaibh, Gu’n robh iad mòr na’n lò Nach dean iad tuille gòraich, ’S nach èug an glòir, na’n sògh. [TD 473] Ge duilich leinn na dh’èug dheibh, Tha’n luaidh ac cèutach, cìnnt’, O thuit iad an deagh aobhar, ’S gun d’fhag luchd ea-coir sìnt’. An gealtair bàs cha chaomhainn, Gu dian ge d’shraon o rainn, ’S bithidh druim an Eagail reubtadh, Ge fada leim na h-oilt. Cha b’iongna leinn ur diobhail, O ionnsuidh dhian ur naimh, A shaoil tre sgrios na Fiannachd, Gu’m fagta fiamhach càch; Ach mheall sibh tùr am mì-run, (A’ miosgain thug gu’n call) A’s scath sibh catha lionmhor, Na’n doigh, bha cinnt’ de’r bàs. O thug na Francaich buaidh air An fhuigheall thruagh, bha’n Gàl, An deighs’ do Cheusar uaibhreach Am marbhadh, ’n ruag, ’s an cràdh, Shaoil iad gu’m b’ionnan cruas do [TD 474] Shaor-Ghaïl uasal Alb’, Bha ionnsuicht’, aonuicht’, cruadhaicht’, ’S d’an dù sior bhuaidh nan colg. Sibh Iarmad Iapheit, ’s Ghomeir, A ghluais o’n Tor do’n Eorp, Sliochd Choillteach, Ghaël mhor-thir, A’s Ghaël-dònach croth; Nach geilleadh do shluagh Ròimhe ’S Teutònuich thain’ na’r còir, A chuid o chuid le seoltachd, ’S cha b’ann le treoir co mòr. Na Lochlanuich thug ionnsuidh, Ar ceannsuchadh gu túr, Le foghmhoireachd, ’s droch thionsgnadh, Faraon air traigh, ’s air muir; Ach uaigh thug Gaïl dhoibh sud, Leo gus am b’ annsadh sgur; ’S bheir sibhse dearbh gach àm air Gur sibhse ’n clann chruaidh, mhear’. Ar gaisg do dhuisg dhuinn mì-run, Nan Gotach fiata, searbh, [TD 475] Seadh Iarmad Ghaël, tha lionmhor, A’ sath na’r bian an calg. Nis ni’m bheil Got a sgriobhas, Nach bheil le miosgain garg, Do nach sop-reic ar riabadh, Thoirt fiach d’a Fharuisg bhorb. Ach choisin giulan laochmhor Dhuibh meas cuid dhaoin’ thug fuath D’ur tìr, gun fhios cia ’n taobhar, Mur e bhi daonnan cruaidh. Is aithne d’ar deagh righ sibh, ’S d’a theaghlach rimheach suairc. Dhuibh chaoidh cha’n easbhuidh inbhe, ’S sibh ’n tòir co dian air buaidh. Cha ghann duibh luchd ath-lionaidh, ’S ur cliu co cian, ’s co bìnn, Bithidh oig-fhir ghleusta, dhiana, ’G ar’n iaraidh as gach beinn, Tairngidh fuaim ur pioba, Na miltean as na gleinn; Bithidh breacain, ’s claidhean liomha, Ag dusgadh miann gach linn. [TD 476] O! Abercromie chliuitich, Gur mor ar tuirs’ ad’ dheigh, Gur mor a chaill do dhùthaich ’N ad’ chleachd, na d’iul, ’s na d’threin’; Do Bhantrach; a’s t’òg fhiurain, Tha frasadh dlù nan dèur Ach ’s mor am meas a’s dù dhoibh Air sgà an Fhiui dh’èug. Ach Alastair àigh Stiuairt, Is aoibhinn leamsa t’euchd, A stiuir na Gaïl shuntach An comhrag cliuiteach, Eipht; Ged thug aois, a’s droch dhùthaich Dhiom slainte, lùthas, a’s glèus, Chaoidh leanaidh mo cheud rùn sibh, ’S is beatha ur cliu do m’ chrè. Nis saoghal fad’, a’s soirbheas Do ghaisgich gharg nan Gaël, A dhionadh còir na h-Alba, ’S a chosgadh buirb nan namh, A bhuanach’ sith, a’s sealbh dhuinn, [TD 477] Air chuantaibh garbh, ’s air traigh, Gu mair ar reachd, ’s Co-dhealbhadh, Fudh righ maith soirbh ’s gach àl. Bu dian ag ruith air aimhleas, Neach a thionndaidheadh a’n tìr, Ar cinneadh dileas, lamh-laidir, Tre gheanach saibhris chrìn; A’s co a choimhdeadh dhoibhsin sud, Gun chairdean daimh an sciath? Tha Bonaparte eibhneach dhe Mar leimeas iad muir shiar. An deigh saothair, a’s dòrainn, Is aoibhneach sogh, a’s saimh, Deagh chliu o dhaoine còire, A’s failte mhòr o dhaimh; Ach c’ait’ am faighear glòr dhomh A dh’aithris sogh nan oigh, Thug meas, a’s gaol an òig dhuibh, ’S nis tha gun deo le h-àgh. Ged tha sibh an tìr chiain uam, Mo shoruidh sior ’nur còir, [TD 478] Biodh tearmunn an aird Thriath leibh, Gur dion o lochd, ’s o leon; Is aoibhinn leam deagh scial oirbh, Ged tha mi crionaidh, breoit, Ach mis’, mas Oisein liath mi, Mo dhoigh, bithidh m’ Fhiann sior bheo. [TD 479] CORADH eadar Bard agus Blà-bheinn * Mi bhi m’shuidh’ air tulaich fhaoin, ’G amharc, ’sa’ smaointeach fa dheoidh, Cluain an domhain, truagh an dàill, Gur cobhartach do’n bhàs gach feoil. O ’s ionmhuinn leam na chi mi thàll! Rimhinn nam beann nach fànn gruaim, ’S dh’aithnichinn fein do thulach àrd, Ge cian a tharladh mi uat. O Bhla-bheinn arsaidh, ’s failtich’ frìth, Bhiodh mo shinsirs’ annt’ a’ sealg, Freagair dhomh le comas diamhair, O nach robh mi riamh gad’ fhalbh. ’S labhair an tuir-sgeul o shean, Gun bhi toirt fanear gach àm, * A Mountain in the Isle of Sky. [TD 480] O na lathaichean a chuaidh Dh’ionnsuidh an tra thruaigh so th’ann. Dhiuchd an comas sin nam’ chàil, Ceart mar b’ail leat, na ni’s mò, Ged nach tuig am magh-shluagh dùr, ’S nach rannsaich iad iul air chòir. Ach chualas fathunn grathuin uam, Tabhan duanaich le guth fànn, ’S bu truagh leam do ghlaodh bhi teirbeirt. Mar chaora thearbaidh air chàll. Ach b’eol domh t’aitim, ’s b’ait le’m bèus, Bhi siubhal sleibhe gun sgios, Ach rà seal o bha mi ’g iondran Torghain do bhuidhne nam’ fhrìth. Ach chaill na h-ionadan am blath, A’s thriall gach armunn aigh g’a uaigh, Threig a chruit a h-inneal dàna, ’S leig a chlàrsach bàs a fuaim. ’S tha mac talla balbh gun chaint, Cha chluinn e caithream, na ceol, [TD 481] Mo dhoigh, gun deach mac nan creag O bhi freagairt mar bu còir. Tha mise mar bha mi riamh, O na shoillsich grian air là, O na dhealaraich gealach oich’ Chuireadh mo ghoibhleans’ an sàs. Mu’s tainig an dìle o Neamh Bha mo fhreamhans’ air an cur, ’S cha dean a h-uile neart an gluasad, Bithidh mi gu buan air a muin. Ach tha mi gun triath talmhaidh còir, Mo choire air siol Leoid, leoir an cron, Ach na’m faoduin-sa dhol thairis, Dhioladh Dun—can air a shon. [TD 482] ORAN le Uilliam Ros, ’nuair dh’aisigeadh am fearainn do na Cinn-fheadhna. COSHEIRM. Their mi horo hugo hoirunn Ho i hoirunn hòro, Their mi horo hugo hoirunn. THUG m’inntinn air fad gu beadradh, Mar nach leagadh bròn i. Bitheamaid gu màranach, geanach, Fearail, mar bu chòir dhuinn. Cuirte ’m bola breac na tharruing, ’S glaineachan air bòrd dhuinn. Chualadh mi naigheachd a Saghsan, Ris na las mo shòlas. Na Suinn, a bha’n iomairt Thearlaich, Tighinn gu dàil an còrach. [TD 483] ’S ged tha cuid diu sud a thriall uainn, Tha’n Iarmaid air fòghnadh. Cosgamaid bola de chuineadh, Nan Suinn nach eil beo dhiu. Tostamaid suas gach Ceann-finidh, Bh’anns an Iomairt mhòir ud. Tostamaid suas luchd ’ga leanamhuinn, Gun dearmad air Deorsa. Guidheamaid sonas le suibhneas Bhi buan do Righ Deorsa. Sluagh Bhreatain, agus Eirin, Geilleachduinn d’a mhordhachd. Ge bu duilich leinn an sgeul ud, Mac Righ Seumas fhogradh. Cha’n eil sta dhuinn bhi ga iondran, Ge bu Phriunnsa còir e. [TD 484] Feudaidh mac bodaich a reis, bhi Cuir ri bleid a storas. ’S gu’n tig tuisleadh air na righrean, Mar a dhiobras olach. Fonn an cinnich fìor shiol coirce, Cinnidh fochan otraich. Mar thug mi gu crich mo luinneag Sguiridh mi gu stolda. Their mi horo hugo hoirunn, &c. [TD 485] ORAN le Gilleaspuic Ruadh Mac Mhic Dhonuill, alias, an Ciaran mabach, air dha bhi uair ann an Duneidin friotholadh air Leighichean, thaobh dochan fhuair a chas. GE socrach mo leaba, b’annsa cadal air fraoch, Ann an lagan beag uaigneach, a’s bad de’n luachar ri ’m thaobh, ’Nuair dh’eir’ghinn sa mhadain, bhi siubhal ghlacagan caol, Na bhi triall chun na h-Abaid, ’g eisdeachd glagraich nan Sàor. ’S oil leam càradh na frithe, ’s mi bhi ’n Leite nan Long, Eadar ceann Saileas Siphort, a’s rutha Ghrianaig nan tonn, Agus Uiginis riabhach, an tric an d’iar mi damh donn, ’S a bhi triall chun nam bodach, dha’m bu chosnadh cas-chrom. [TD 486] Cha’n eil agam cù gleusda, a’s cha’n eil feum agam dha, Cha suidh mi air bachda, am monadh fada o chàch, Cha leig mi mo ghaothar, chaidh faothaid an tuim bàin, ’S cha sgaoil mi mo luaidh, an gleann Ruathain gu brath. B’iad mo ghradh-sa a ghraigh uallach, a thogadh suas ris an àird, Dh’itheadh biolair an fhuarain, ’s air mo shuarach an càl, ’S mise fein nach tug fuath dhuibh, ged a b’fhuar am mios Maigh. ’S tric a d’fhulaing mi cruadal, a’s moran fuachd air ur sgath. Be mo ghradh-sa fear buidhe, nach suidhe mu’n bhòrd, Nach iaradh ri cheannach, pint leanna na beoir; Uisge beatha math dubailt, cha bu d’fhiu leat ri òl, B’fhearr leat biolair an fhuarain, a’s uisge luaineach an lòin. B’i mo ghradh-sa i bhean uasal, dha nach d’fhuaras riamh lochd, Nach iaradh mar chluasaig, ach fior ghualain nan cnoc, [TD 487] ’S nach fuiligeadh an t-sradag, a lasadh ria corp, Och! a Mhuire mo chruaidh chas, nach d’ fhuair mi thu nochd. Bean a b’ aigeantaich ceile, nam eirigh ri driuchd, Cha’n fhaitheadh tu beud da, ’s cha bu leir leis ach thu Sibh an glacaibh a cheile, am fior aodan nan stùc, ’S ann am eirigh na grèine, bu ghlan leirsin do shùl. ’Nuair a thigeadh am foghbhar, bu mhian leam gleadhar do chleibh, Dol aghabhail a chronan, air a mhointich bhuig reidh, Dol an coineadh do leannain, bu ghile feamain a’s cèir Gur i an Eilid bu bhoiche, a’s bu bhrisge lòmhara ceum. [TD 488] ORAN do Dhaoin’ uaisle an Eilean Sciathanaich le Lachan mac Ionmhuinn, alias, Lachan Mac Thearlaich òig. Air fonn—“She rose and let me in.” MARBH-PHAISG air a mhulad sin, Nach d’fhuirich e nochd uam, A’s nach do leig e cadal domh, ’S an oiche fada fuar; Ma ’s ann a dh’iaraidh cuntais orm, A lunn thu air mo shuain, Bheir mise treis an trasa dhuit, Air aireamh na tha uat. La ag siubhal sleibhe dhomh, ’S mi falbh leam fein gu dlù, Gun chuideachd anns an astar sin, Ach gunna glaic a’s cù, Gu’n thachair Clann rium anns a Ghleann, A’ gal gu fann chean iuil, [TD 489] Am beachd gu’m b’iad a b’aillidh dreach, A chunnacas riamh le m’shuil. Gur iongna leam mar tharla sibh, Am fàsach fad air chùl, Co-meas luchd ur aghaidhnean, Gun tagha de cheann iuil, Air beannachadh neo fhiata dhomh, Gu’n d’fhiaraich mi “co sibh?” Fhreagair iad gu cianail mi, A’ m bria’rabh mìne ciuin. Iochd a’s gradh a’s fiughantas, ’Nar triuir gu’m b’e ar n-ainm, Clann dhaoin’ uaisle cùramach, A choisinn cliu ’s gach ball, ’Nuair phaidh an fheile cìs do’n Eùg, ’S a chaidh i fein air chall, ’Na thiomnadh d’fhag ar’n athair sinn, Aig maithibh Innse-gall. Tormaid fial an t-sùgraidh, Nach d’fhas mu’n chuineadh cruaidh, Bha gu fearail fuighantach, [TD 490] ’S a chum an dùchas suas, Sann ort a bha ar tathaich, O’n thugadh Iain uainn, ’S beag m’fharmad ris na feumaich, O’n a bheum na cluig gu truagh. Bha’n duine ud ro fhlathasach, ’S e mathasach le cèill, Bha e gu fial fiughantach, ’S a ghiulan math ga rèir, Ge farsuinn eadar Arcabh, Cathair Ghlaschu ’s baile Bhòid, Cha d’fhuaras riamh Oid’ altram ann, Cho pailt ri teach Mhic Leoid. Chaidh sinn do Dhunbeagain, A’s cha d’iar sinn cead na Thùr, Fhuair sinn failte shuilbhearadh, Le furbhailt’ a’s le mùirn, Gu’n do ghlachd e sin le acarachd, Mar dhaltachan ’nar triuir, Gu’n togadh e gach neach againn, Gu macant’ air a ghlùn. [TD 491] Fhuair sinn greis ’gar nàrach, Aig Mac Leoid a bhà san Dùn, Greis eile gle shaibhir, Aig a bhrathair bha’n Dùntuilm, Sin ’nuair labhair fìughantas; Dalt’ uiseil Dhonuill ghuirm; Bu tric leat a bhi sùgradh rinn, ’S cha b’fhasan ùr dhuinn cuirm. Aig eiridh dhuinn neo airtnealach, ’S biadh maidne dol air bòrd; Gheibhte gach ni riaghailteach, Bu mhiannach leat gad’ chòir; Cha d’ chuir thu duil am priobartaichd, Cha b’fhiach leat ach ni mòr: Bu chleachda air do dìneir dhuit, Glain fhiona mar ri ceol. Am fear bha air a Chomaraich, Bu chall soilleir dhuinn a bhàs, Ann an cuisibh diunlanais, Cha b’ùdail thu measg chaich, Lamh scapaidh òir a’s airgid thu, Gun dearmad air luchd daimh, [TD 492] ’S gu mionnaicheadh na Clarsairean, Nach tu bu tàire lamh. Thug sinn ruaig gun sòradh, Gu Coinneach mòr nan cuach, Bu duin’ iochdar, teo chridheach e, ’S bu leoghant e air sluagh, Bha urram uailse a’s ceannais aige, Air fearaibh an taobh tuath, Cha chuirt’ as geall a chailleadh e, Gu’n d’fhalaich oirn e ’n uaimh. O’n rinn an uaimh ur glasadh orm, ’S nach faic mi sibh le m’ shùil, Bu chumhach, cianail, craiteach, mi, ’S neo ardanach mo shùrd, ’S mi cuimhneachdadh nam brath’rean sin, A b’àillidh dreach a’s gnùis, Gur tric a chum sibh coinnibh rium, Aig Coinneach anns a Chùil. An t-Ailpeanach dubh firinneach, Ga’n duchas cian an Srath, Da’n tig na h airm gu sgiamhach, [TD 493] Ge bu riabhach leinn do dhath, Bu lamh a dheanadh fiaghach thu, Gu’n dail bu bhiataich math, Do bhàs a chràdh am bliadhna mi, Mo bhriathar b’fhiach mo sgath. Bu chumaite glan do chalpanan, Fudh shliasaid dhealbhaich thruim, ’S math thig breacan cuachach ort, Mu’n cuairt an fheile cruinn, ’S ro mhath thigeadh claidheamh dhuit, Sgiath laoghach nam ball grinn, Cha robh cron am fradharc ort, Thaobh t’aghaidh ’s cul do chinn. ’N àm togbhail mail do dhuchanan, ’S ga dhluthachadh riut fein, Bhiodhmaid air ’nar Stiubhartan, ’S ’nar triuir gu’m biodhmaid rèidh, Cha do thog sinn riamh bo ghamhna dhuit, ’N àm Bealtein cha b’e’r bèus Cha mho thug oich air tuathanach, Bu mho do thruas ri’m feum. [TD 494] Bha’n duine ud na charaid domh, ’S cha chàr, dhomh chliu a sheinn, Mas can cach gur masgul e, Leig thairis e na thìm, Do bhas a d’fhag mi muladach, ’S nach cluinnear e sgach tìr, ’S cha b’ iongna mi ga t-iondrain, ’N àm cùntas thoirt san t-suim. ’S mi smuainteach air na Saoidhean sin, ’S a bhi ga’n caoi gu truagh, ’S amhuil dhuinn tha bhuinig ann, Bhi tathaich air lorg fhuar, ’N taobh chaidh iad seachad, ’S an d’teid dathigh uil’ an sluagh, Dh’èug Eanraic priunnsa Shagsuinn, ’S cha’n fhaicear e gu luain. [TD 495] ORAN do Mhac Mhic Ailein, ann an Eiric orain Iain Ghrudair. Mo mhile beannachd ort Iain Ghrudair, Dhuisg thu mi led’ uirgioll, Is aisling caillich mar a durachd, Tha mi’n duil a chunnaic thu; Bha thu dicheallach gu leor, Ga mheoracha n’am b’urrain thu, ’S na d’fhag thu fein gun chur air doigh, Cha bhi ’n corr dha uir-easbhuidh. C’uim’an deigh-sa dhol na dhàil, Nach d’rinn thu pairt a chumadh dhe, Na’m biodh tu d’ bhard a dheanadh dàn, Mo lamh gu’n eireadh luinneag leat; Air na daoine treubhach, èuchdach, sar-mhaith, Fialaidh, failteach, furanach, ’S nach faca namhaid la blair, An sail air raon na h-iumanaich. [TD 496] ’S e bun do sgeoil-sa ’n Tighearna òg, Cha dean do ghloir-sa tuireadh dha, Cha stad an cainnt, na teanga mhall, A dheanadh rann do’n duine sin, Dha’m bheil na cairdean, lionmhor, laidir, Anns gach ceairn gu cruinneachadh, ’S tric thug bearna air an namhaid, ’S bhiodh an aireamh diombuanach. Mo thig air mac mhic Ailein eigean, ’S eol domh fein a’ furan air, Na chaisgeas fheum, ’s gach toir, ’s gach deigh A chuireadh èis na mulad air, An Albuin fhein tha sluagh nach geill, A’s cùntas cheud do dh’ioma treibh, Nach diultadh eirigh nam na teagmhail, ’S thig o Eirin iomadaigh. ’Nuair nochdar ri crann do shioda, Chluinntear piob a’s drumaichean, Bhiodh Suaicheantas taitneach gu leor, Aig Donullaich na curaidhean, Fraoch nan garbh-bheann air mac meanmach ’S craobh nach searg an duilleach aic, [TD 497] Long, a’s bradan, a’s lamh dhearg, ’S leoghan feardha, furachail. ’S leat air thus do Chinneadh fein, Gu laidir, euchdach, urramach, Dol nan eideadh bhuala speicin, ’S cruaidh am bëum, ’s gur guineach e, ’S an iomairt lann, cha’n eil iad fann, Gur lionmhor geall a bhuinig iad, Ri siabadh cheann bhar chorp nan Gall, A’s tart an geall air fuil orra. Ni nach neonach ’s leat Mac Dhonuill, ’S laoich, chrodh’, churanta, Garbh an còrag, searbh an toirachd, Garg mar leoghain chuileanach, Ri sgatha chluas, spealta ghuailean, Sgoltadh chnuachd, a’s mhullaichean; Theid brais san ruaig, nach tais ach cruaidh, ’S e fear nach buan ni fuireach riu. Thig fir Chnoideart mar na seobh’caibh. Air am foghlum tuil-bheumach, Laidir, eolach, ’s fearg nan sronaibh, [TD 498] Leonaidh iad gu cuntarach; ’S namhdail beura ni iad creuchdadh, Cha teid leigh’ an urras orr’, Bithidh caonag chaothaich, ’n gnuis gach laoich, Co d’fhaodas dol a dh’iomairt riu. Thig Clann Iain leat an ordugh, ’S bocain a gheibh urram iad, Bithidh fuil ga dortadh leis na leoghain, ’S gu’m bi feoil na culagaibh, Le’n claidhean cruadhach a sior bhualadh, ’S lutharach na curaidhean, Gun leon, gun sgios, gu brath cha phill, Gus an teid na gill a chur leo. Thig na Ceapaich ’s mi nach fag iad, ’S math an àite a Cheannaird iad, Feardha, daichail, calma, laidir, Tamailt riamh cha d’fhuillig iad; Ceum air aghart aig gach diunlaoch, ’S ionnsaichte iad air gunnaireachd, Sgriosar cach gu grad gu bàs, Le gairdeanan nan curaidhean. [TD 499] Thig Clann-donachai co-làn ’S meanmach am pòr urramach, Tighearna Shruthain, agus Leoid, Le’n daoine comhnard, cumadail. Theid neo sgathach ruagadh Spainteach, Deagh gheur stailin Lunnaineach, Leagaidh iad na thig ri’n aodan, Leis na faobhair fhullangach. Eirigh fiurain fhallain ùradh, ’Stiuartaich gu dun-mharbhadh, Iarla Bhoid le chomhlain chliuiteach, Nuair a dhuisgeadh ’s duilich e, Thig a Adholl, na fir bhorba, Colgara ro iomairteach ’S gach aon ’san Apuinn a niar, ’S an am dhoibh triall bithidh buinig ac. ’S leat na Leodaich pailt de storas, Dream nach sòradh builleanan, Thoirt na tòireachd gu do chonadh, Stroiceach, seolta, cunnbhalach, Lan do chruadal mar bu dual, Cha teich, cha luaidhear a thiunnal riu; [TD 500] Bithidh cuirp air fuaracha’ gun uaimh, Le luaidh luath ur gunnaichean. ’S leat na h-Ailpeanaich gu cinnte, Cha’n iongna iad a chruinneachadh, Gu do dhidean o luchd mi-ruin, ’N àm na stri cha chuireadh iad, ’S laidir, treun, gach conspul feil, Nach eisd ri bhi ’ga dhimoladh, ’Nuair chruinnicheas iad uile co-luath, Bithidh na’s leor ’s na h-urrad ann. [TD 501] ORAN do Mhac Mhic Iain òig Ghlinne Comhann. Air fonn—“Moch sa mhadain.” DIA gad’ bheannachadh Iain bhàin, An aodain bhla tha aoidhail, Gun sgraing, gun ghrain, gun fhuachd, gun sgra, Gun coltas Mairt, na Faoillich; Gach buaidh, a’s fearr, a chualadh ’n Dàn, Bhi ort gach lath dhe d’ shaoghal, Ga d’ chumail suas gun airc, gun chàs. ’S gu’n gleidh thu gradh nan daoine. Tha do bhian mar chanach mointich; Ri teas mor ’s e sgaoileadh, Tha do ghruaidhean mar an ròs, A’s boidhiche na na caoirean, Suil ghorm, mheallach, shocrach, chaomhnard, Fudh rosg stolta daonnan [TD 502] Gu ciatach, tlachd-mhor, fàs gun ghaiseadh, Gun chron taisgte na d’ aogas. Cha’n eil iongna leam-sa piseach, Bhi air sliochd do mhuintreach, Bha lan do mhisnich, gun chean gliocais, Agus fiosrach cuimhneach; Seasmhach, riaghailteach le diaghachd, Gun fhiaradh, gun fhaontradh, Buidhean ghasda dheanadh buanachd Ri am bualadh cuinsearch. Fir Ghlinne Comhainn tha mi ’g aireamh, Dream tha laidir, luth-mhor, Nach gabh tamailt o luchd ardain, Cha ne’n gnas an diudeachd, Ach cosnadh treubhach ri àm feuma, ’S a’n cuid geur lann ruisgte; Cha’n eil namhaid thig oirbh cearr, Nach b’fhearr dhoibh bunntain sùmhail. Sliochd nan diunlaoch a bha mileant, ’N ioma tìr, a’s dùthaich, [TD 503] Nach d’rinn striochdadh, cha ne b’fhiach leo, Ach an t sior ruaig shuntach; Ghleidh sibh onair, a’s deagh ainm, Far an robh ur’n armaibh ruisgte, Na fir fheardha, na fir chalma, Na fir mheanmach, chliuiteach, Buidhean uallach gu cur ruaige, Buidhean chruaidh nach diultadh, Buidhean uaimhreach nan lamh luatha, O’m biodh luaidh gu siubhlach; B’ fhearr d’ur naimhdean a bhi cairdail, Na tighinn dan d’ur ’n ionnsaidh, ’S galar bais doibh fuaim ur lamhaich, Bheir an àrach cùntas. Nis Iain òig ma thig ort foirneart, ’S lion-mhor consmunn treubhach, Thig gu d’ chònadh, an uair con-stri, Mar na leoghain bheucach, Morear Donallach, ’s a lòd leat, Ann an còir nach trèig thu, [TD 504] Gach aon tha’n Uist an eorna ’N Troternis ’s an Sleibhte. Eirigh Alastair a Cnoideart, Leis na bochdain euchdach, Eirigh sin leat fear na Mor-thir, Ceannard òg na feilidh. Thig Mac Mhic Ailean, a’s Clann Raonuill, Nam na spairn cha gheil iad, Arasaig ’s an Caisteil Tirim, Sud na fir tha treubhach. Thig ort a Braigh Lochabair, Fir na Ceapaich co-luath, Thig ort bratach chlann an t-Saoir, An comunn aontach, seolta, Thig Clann an Ab ort gu dian, O bha iad riamh led’ sheorsa, ’S leat sud Oighre Ghlinne Comhainn, Rodhaich agus Rosaich. Comunn fuilteach, toirteal, calma, Camaronaich o Lochaidh, [TD 505] Chuireadh am blar le rùn durachd, Sud an cliu bu nòs doibh, Cha d’fhuair iad riamh aobhar maslaidh, ’N lathair gleachd, na còraig, Seasmhach gun ghleidh iad làrach, ’S gheileadh ach da’n ordan. Cinneadh tlachd-mhor, Cinneadh maiseach, Cinneadh pailt de storas, O fhuair sibh ur còir air ais, Gur sgiolta ur feachd aig Deorsa, D’fhalbh an Ceannard aca ’n ceart uair, Leis na gaisgich comh làn, ’S cha do thogadh a’ measg Ghaël, Aicheadh nam fear òga. Mo d’fheumas tu thig ort tuille, Gu pilleadh an fhuathais, Gluaisidh na Nialaich a Barraidh, Nach gabh sgreamh air cuaintean, Le sar Cheann-feadhna nach lapach, ’S tric a chleachd an cruadal, Fhuair e ’n America foghlum, ’S leonadh le luaidh e. [TD 506] Mo dhuil a nis ma bhitheas tu glic, Gu fiosrach mar bu chòir dhuit, Gu’n gleidh thu meas, ’s gach àit ’n seas, O’n ’s leat an treise mhòr so, Thig fir Mhuile leat, ’s na h-Apunn, Nach eil tais na teoldaidh, Thig Clann Laomuinn, a’s Clann Lachlain, Nan lann sgaiteach, stroiceach. ’S leat mo dhurachd bhi gu fearail, Gun aithneachd ri deoraidh, Laidir an aghaidh luchd mi-ruin, Bhitheas air ti do leonaidh, Gleidh na th’agad, ’s na leig uat e Ach buannaich an corr air, Le riaghailt onarach, chliùiteach, ’S tagha grunnd gu steornadh. Bi gu diaghaidh, bi gu cneasda, Bi gu ceart ri d’ mhuinntir, Na leig eacoir gu h-aon neach dhiubh O’s tu ’s taic a chuil doibh, Bi suairc, siobhailt, smiorail, ’S thig gach fear gu t-ionnsaidh. [TD 507] ’S eirigh iad ullamh nam feachda, Co ghrad ris an fhudar. O nach eil mi pailt am briathra, Ni mi triall gu dùnadh, Mo bheannachd aig a chàraid, Tha ga d’ àrach muirneach, Saoghal fada dhoibh le cheile, Slainte, a’s reit, ga’n giulan, Gu ’n tugadh an Sliochd deagh thoradh, Mar a’s toileach leam-sa. [TD 508] CUMHA le mnaoi òig ann an Irt d’a fear fein a chailleadh ann an Soa * ’nuair bha e ’g iaraidh Eun ’measg nan Creag. ’S ann thall ann an Sòa D’fhàg mi’n t-Og nach robh leumnach. Làmh a dheanamh na h-acfhuinn ’S a thoirt dhachaidh na spreidhe. Lamh a dheanamh, &c. ’S ge do chaidh thu sa chreig ud, Cha b’è’n t-eagal a leugh thu. ’S ann a rinn do chas sraonadh, ’S cha do d’fheud thu riamh èirigh. Bha t’fhuil aira chloich ud, Bha do lot ann dèigh leumaidh. Bha thu ’muigh air bhàr stuaighe, ’S muir ’gad fhuasgladh o chéile. ’Nuair a thàinig do mhàthair, Cha do chàirich i’m breid oir. * A small island near St. Kilda. [TD 509] Nuair a thàinig do phiuthair, Bha sinn dubhach le cheile. ’Nuair a thàinig do bhràthair, Cha do chaomhainn è’n eughadh. Bha sinn dubhach, as cràiteach. Gad amharc ann cèin uainn. A sheachd beannachd nan càirdean ’S a lon* làdair na feuma. Tha mo chuid s’ de na h-eunaibh Anns na neulaibh ag eughach. Tha mo chuid-s’ de na h-uibhibh, Aig a’ bhuidhinn a’s treubhaich’. ’S ann thall ann an Sòa D’fhàg mi’n t-og nach robh leumnach. * Lon, a rope of raw hides, used by the St. Kildians. [TD 510] ORAN gaoil, le duin’ uasal araid, do Mhaighdin uasail san Eilean-Fhada. LUINNEAG. A Mhari bhoidheach ’s a Mhari ghaolach, A Mhari bhoidheach gur mor mo ghaol ort, A Mhari bhoidheach gur tu a chlaoidh mi, ’S a d’fhag mi brònach gun doigh air t’fhaotuinn. MHARI bhoidheach gur mor mo ghaol ort, Gur tric mi cuimhneach ort ’s mi m’aonar, Ge do shiubhlainn gach ceum de’n t-saoghal, Bithidh t’iomhagh bhoidheach tigh’n beo gach taobh dhiom. ’S truagh nach robh mi ’s mo Mhari bhoidheach, Ann an gleannan faoin a’s ceo air, ’S ged bu Righ mi san Roinn-Eorpa, Cha’n iaruinn pòg ach Mhari bhoidheach, Ach chithear Feigh air scè sna speuran, Chithear Iasg air aird nan slèibhtean, [TD 511] Chithear sneachda dubh air gheugaibh, Mu’m faicear caochladh air mo ghaol duit. O Mhari lugh’daich thu mo chiall domh, Tha mo chridh’ le do ghaol air lionadh; Tha gach là ann am fad mar bhliadhna, Mur faic mi t’aodain a tha mar ghrian domh. Co chi mo Mhari ’s a’s urrainn aicheadh, Gu bheil a chridhe laist le gradh dhi, Thug i barrachd ann an ailleachd, Thar gach maise tha fas san àl so. Do shuilean meallach fudh d’ mhala bhoidhich, Do bheulan tana air dhath nan ròsan, Do shlios mar chanach an gleannan mointich, ’S do ghruaidh mar chaoran fudh scè nam mòr-bheann. C’àit’ am faicear san t-saoghal bean t’aogais, Cha’n eil i idir ann ri fhaotuinn, Am maise an tuigse ’san deagh bheusan, Tha thu ro arda oscionn gach aon diubh. [TD 512] Fhir a shiubhlas thar thonnaibh uaibhreach, Dh’ionnsaidh Innsibh cian nan cuantaibh, Thoir gach siod, agus ni tha luachmhor, Dh’ionnsaidh Mhari a rinn mo bhuaireadh. Eoin a’s moiche a theid air sciathaibh, ’S a theid arda anns an iarmailt, Na bitheadh lath anns a bhliadhna, ’S nach seinn sibh ceol d’a mo Mhari chiataich. Ach cha dean Eala air slios nam mor-thonn, Cha dean Smeorach nam badan boidheach, Cha dean gach Inneal ciuil ach cronan, ’Nuair a sheinneas mo Mhari bhoidheach. Ge do bhi mi gu tùrsach cianail, ‘S mi le cùram air mo lionadh, Ni do ghnuis-sa atha mar ghrian domh, Mo chridhe suntach ’nuair thig thu m’fhianuis. Gu mo slàn do mo Mhari bhoidheach, Ge b’e àite ’s am bi a cònuidh, ’S e mo ghuidh-sa am fad ’s a’s beo mi, Gu’m bi gach sòlas aig Mari bhoidheach. [TD 513] SMEORACH Chloinn Raonuill. LUINNEAG. Hòlaibh o iriaig hòroll ò, Hòlaibh o iriaig hòro i, Hòlaibh o iriaig hòroll ò, Smeorach le Clann Raonuill mi. GUR e mis’ an smeorach chreagach, An deighs’ leim bhar chuaich mo nidein, Sholar bidh do m’ianaibh beaga, Sheinneam ceol air bhàrr gach bidein. Smeorach mise de Chlann Donuill, Dream a dhithicheadh, a’s a leonadh, ’S chuireadh mis’ an riochd na smeoraich, Gu bhi seinn, ’sa cuir ri ceol doibh. Sa’ chreig ghuirm a thogadh mise An sgireachd Chaisteil duibh nan cliar, [TD 514] Tìr tha daonnan ag cuir thairis Le tuil bhainne meal’, a’s fiona. Sliochd nan Eun o’n Chaisteil tirim, ’S o Eilean Ionan nan gallan, Moch, a’s feasgar togar m’iolach, Seinn gu bileach, milis, mealach. Tha mi de’n ghúr rioghail, luachach, ’S maith eun fhaotuinn a nead uasal, Ghineadh mi gun chól, gun truailleadh, Fudh sciathaibh Ailein Mhic Ruairi. Cinneadh, glan gun smùr, gun smodan, Gun smal gun luaith ruaidh, gun ghrodan, ’S iad gun ghiomh, gun fheall, gun sodan, ’S treun am buill’ an tuigh nan trodan. Cinneadh rioghail, th’air am buaineadh A miribh meara na cruadhach, ’S daoimein iad gun spàr, gun truailleadh, Nach gabh stùr, gnè smál, na ruadh-mheirg. [TD 515] Cinneadh mor gun bhòsd gun sparan, Suairce siobhailt gun ràpal, Caomhail, cineadail rì’n cairdean, Fuilteach, faobharach ri namhaid. Raonallaich nan òr chrios tagach, Nan luireach, nan sciath, ’s nan clogaid, A theid sios gu gunnach, dagach, Na fir ghasta, shuntach, chogach. Sud na h-aon daoine th’air m’aire, Nach dianadh air spuileadh cromadh, Dhianadh anns an àraich gearradh, Cinn ga’n scaradh, cuirp ga’m pronadh. Ach mur tig mo Righ-sa dhathigh, Triallaidh mi do dh’uamhaidh shlocaich, ’S bithidh mi’n sin ri caoidh, ’s ri basraich, Gus am faigh mi bàs le osnaich. Ach mu thig mo phriunnsa thairis, Cuirear mis’ an cliabhan lurach, ’S bithidh mi cantaireachd gu bailleach, ’S ann na arois ni mi fuireach. [TD 516] Madain cheitein am bàrr gach badain, Sgaoileadh ciuil o ghlaic mo ghuibein, ’S aluinn mo thruitreach, ’s mo ghlagan, Stailceadh mo dha bhuinn air stuibein. Gur e mise cruit nan cnocan, Seinn mo leadain air gach bacan, ’S mo chearc fein ga m’ bheus’ air stocan, ’S glan ar glocan air gach stacan. Crith chiuil air m’ugan ga bogadh, ’S mo chom tur uile làn beadraidh, Tein’ eibhinn am’ uchd air fadadh, ’S mi air fad gu damhs’ air leagail. ’N’air chuirean geoic air mo ghogan, ’S a thogain mo shailm air chreagan, ’S ann orm fein a bhiodh am frogan, Ceol ga thogail, ’s bròn ga leagail. Eoin bhuchalach bhreac na coille, Le’n organaibh ordail mar reinn, ’S feadag ghlan am beul gach coilich, ’S bìnn fead-ghuil air gheùgaibh baraich. [TD 517] ’S mis an teunan beag le m’ fheadan, Am madain dhriuchd am bàrr gach badain, Sheinneadh na puirt ghrinn gun screadan, ’S ionmhuinn m’fheadag feadh gach lagain. Togamaid deoch slainte na h-armailt, Dh’eirich le Tearlach o’n gharbhlach, Na fìr ghasta dheanadh searr-bhuain, Air feoil, ’s air cnaimhean nan dearg-chot. Olamaid fliuchadh ar slugain, ’S cuireamaid mu’n cuairt làn nogain, Slainte sheumais suas le suigeart, Tosta Thearlaich sios le sogan. Slaint’ an Teaghlaich rioghail inmhich Olamaid gu suntach, geanail, ’S nigheamaid ar scornain ghionaich Le dram milis, bior-shuileach, glaineach. Cuireamaid sios feadh ar mionaich Tosta nan curaidhean clannach, Nan colg gasta, scaiteach, biorach, ’S ro mhor sgil a’r comhrag lannach. [TD 518] O tha mi teannadh gu oirthir, Ullaicheam m’acair gu caladh, Tosta Mhuideirt ceann nan Seileach, ’S an t-slaint eil’ ud triath nan Garach. Lionaibh suas as olaibh bras i, Slainte Raonuill oig o’s deis i, Sguiribh dh’amharc thugaibh as i, Sidhaibh leibh i as a teas i. Strac suas a ghlaine cheudna, Cuimhnicheamaid slaint an t-Sleibhtich, Ridir og gasta na euradh, Dol le scairt a shracadh bheistean. Slaint Iarl Antrum ’s tosta prisail, ’S na tha ’n Eirin chlannaibh Milidh, Tha mo shileadh bathadh m’iotaidh, Chionn gu’m bheil mo bheul làn mìslein. Diolamaid gu foirmail, frasach, Slainte Bhaosdail mu’n stad sinn, Laoch treun a dh’eireagh scairtail, Chuir retreat air bheistean Shaghsain. [TD 519] Lion suas duinn glain do’n Deasach, Learganaich nan gorm lann claiseach, Laochraidh scathadh cheann, a’s leasrach, Na suinn sheasrach, shuntach, mhaiseach. Co namhaid sin riu sheasadh, ’S cruaidh ruisgt’ nan duirn gu slaiseadh, Anns an ruaig nuair ghabhadh teas iad, Le luth-chleasan bhualadh shaisean. Greasam gu fìnid gun stopadh, Ach cha mhiann leam a bhi bacach, Puirt chiuil na smeoraich dosaich, Tostam fior sheobhac na Ceapaich. Togamaid slainte nan Gleannach, O Chomhann nam bradan earrach, Bheireadh air bòcanaibh pilleadh, Cha bu ghioracach iad air bealach. Cuireamaid mu’n cuairt gu toileach, Slainte Mhic Dhughaill o’n bharraich, Cridhe rioghail, reamhar solais, Tha na bhrollach shios am falach. [TD 520] Chuimhnicheam Iain Ciar a Lathurn, Aig nach robh an stoidhle cumhann, Gheibh e muirn, a’s onair fhathast, A’s caitheadh drais mar as cubhaidh. Ciod am fath dhoibh bhi ga’r tagradh, ’S nach urr’ iad chuir reinn cluigean, Sguiribh de’r boilich, ’s de’r spaglain, ’N rud tha againn,’s e Dia thug dhuinn. [TD 521] ORAN do na Gaël a bha sa cuir do America, san bhliadhna 1778. Air fonn,—“Bithidh claidhe air Iain san t-searmoin.” COSHEIRM. ’S iad Comunn nam bonaid A chleachd bhi san chullaid, Nach briseadh a choinneamh le cearbachd; Bithidh gach Tighearn’ fudh mhi-ghean, Mo choisneas sibh siochaidh, An t-eagal gu’n dithich sibh Albain. THAINIG teachdair o’n Righ Gu’n robh cruas air a Rioghachd, O’n rinn Saghsanaich striochda’ thar Fairge; Ach na’n eireadh na Gillean, Ga’m bu chliu bhi san iomairt, Gu’m pilleadh a ris an t-sealbh riu. [TD 522] Cha robh Saghsanaich glic Ann am dusgadh a mhiosta, ’N’air dhiult iad Milisi do Albain; ’N’air theannuich an eigean, B’e fosgladh gach beul diu, Gu’m b’fheumail fir threubhach nan Garbh Chrioch. Gur lionmhor treun churaidh Nach èuradh an Cumasg, Tha gluasadh gu turas san àm a so; A sheasadh gu dilis dhuinn Creideas ar Rioghachd, ’S nach ob dol san stri so ge searbh i. O’n choisin iad buaidh dhuinn, Na chuir sinn thar Chuan uainn, ’S gu’n d’lean iad ri’n dualchas gu calma; ’S beag mo churam gu’n dibir sibh, An coga, na strì, Na gu’n coisin sibh mi chliu do Albain. Bitheadh misneach, a’s cruadal, A’ lasadh ’nur gruaidhean, [TD 523] A’s cothaichibh cruaidh reibh an earbsa; Cha ne cleachda bu dual duibh Bhi gur aig oir luatha, ’N’air bhiodh an sluagh dol nan Armabh. Bithidh gach suil san Roinn-Eorpa, Aig geur choimhead oirbh co-luath, Na meallaibh an dochas ’s na seargaibh; O’n tha sibh gu suntach, Ag mosgla’ mar aon fhear, Mo chinnt’ nach bi ’n ionnsaidh ud leanabail. O’n tha sibh a Rioghachd, ’S gach treun fhear na dhithisd, ’S ur cridheach’ air mhire le meanmadh; Mar coisin sibh cliu, ’S an gar Righ, a’s gar duthaich, Cha choisgear an atag gun anaic. ’S e mo ghuidhe le dùrachd, ’N’air bheir sibh ur cùl rinn, Gu’n cluinnear ur cliu a bhi ainmail; Gu’n seasamh sibh dilis dhuinn, [TD 524] Onair ar Sinsir, ’S gu’n coisin sibh siochaidh le’r feara-ghleus. Gur lionmhor laoch ullamh, Bu deas air chul gunna, Fudh bhreacan ùr cuimeir ’s fudh ghearra chot; A shiubhladh gu h-ullach, Feadh chreachan nam fuar bheann, Tha greasadh san uair so thar fairge. Na’m faicinn ur Suaicheantas ’G a nochda ri fuar chrann, Scal siunsair ga’r buaireadh cuir fearg oirbh, ’S beag mo chùram gu’m pilleadh A choisir gun ghiorag, Nach do thaisbean an slinnean la cearbachd. Tha Francaich ri bagr’ oirn, A’s Spaintich ri spaglain, A’s Dùitsich ri braid, a’s ri cealg oirn; Ach ’s meallta mi m’ bharail, [TD 525] Mar bi lath fudh ’n aithreach, ’N’air thionailear pannal nan garbh chrioch. Mo run sa na Gillean, Nach d’fhoghlum an giorag, ’S nach aomadh an iomairt nan garbh chath; A choisin riamh ’n turram, ’S gach blàr, ’s ann ’s gach Cumasg, Cha deantar leam tuille ga’r seanachas. [TD 526] ORAN do Mhari Nighean Donuill Mhic an t-saoir, Duin’ uasal, measail am Braigh Chalstraid. Air fonn,—“’S trom leam an Airigh,” Le Rob Donn. ’S e dhuisg mo ghaol an tùs duit An ciuin shealladh caomh, A thaom orm o d’shuilean, ’S a dhruidh orm gach taobh; Ghabh e tamh nam’ inntinn, Sior chinntinn na ghaol, Gus na d’fhag e tìnn mi, ’S mi stri ris ’g a chlaoidh. Och! mar ata Mi air mo chlaoidh; Mu threigear le m’ghradh mi, Cha slànuich mi chaoidh. Och! mar ata, &c. [TD 527] Ge h-ioma maighdean rimheach, A lion mi le’n gaol, Bha’n iomhaigh ga m’dhiobradh, ’Nuair shìn thu ri’n taobh; Chaochail iad mar reultan, Air aodain nan spèur, ’S thusa mar ghath ghreine, A’ boisg’ air gach taobh. ’S e sud mar tha Ailleachd do ghnuis, A d’fhag mise cràiteach, Mur tàr mi do rùn. Ach c’uim’ an d’rinn mi sealltuinn Air oigh nan rosg caomh? Mur feuch i dhomh coimhneas, An deigh dhi mo chlaoidh, B’fhearr dhomh bhi nam’ shuain Ann am bruaidairean faoin, Na’n sealladh ud a fhuair mi, Mur buannaich mi gaol. [TD 528] Ach ’s eigean d’i bhi ’A’m inntinn a chaoidh, ’S nach faic mi san t-saoghal Bean aogais mo ghaoil. C’uim’ an d’rinneadh nadur Co aillidh mo ghaol? Mur eil iochd, agus bàigh innt, Gu m’shabhladh o’n aog, Mis a thug mo ghràdh dh’i, Nach bàsaich a chaoidh, ’S truagh i ga m’fhagail, ’S mi cràiteach ga caoidh. Air gach a tra, ’S mi ann an Stri, A h-ailleachd gam’ thaladh, ’S a gradh bhi ga m’dhith. Ach ’s ann a tha mi’n dòchas, Gu’n deonaich i gaol, Gun dùraig i pòg dhomh, Bheir beo mi o’n aog, Ged fhaighinnse gach Stòras, [TD 529] A’s òr tha fudh’n ghrein, B’annsa Mari bhoidheach, Bhi’n cònuidh ri m’ thaobh. ’S e d’fagadh slàn Mi ann mo chridh’ Bhi faicinn a h-ailleachd, Ged d’fhag i mi tinn. Cha’n iongna mi da radh sud, ’S tu ’s ailli measg sluaigh, Tha aoidh, a’s tlachd gun ardan, Do ghnà leat a’ gluas’d, Do bheusan tha ro aillidh, Neo-thraillail, làn stuaim, Gu ciallach, glic, ro nàrach, ’S fiamh ghàir ort gach uair. ’S e sud mar tha, Rimhinn nam buadh, A linn mi le h-ailleachd, ’S gu brath nach faigh m’fhuath. ’S e sud mar tha, &c. [TD 530] BROSNACHADH gearr do na Gaïl, tha nochdadh an rùin gus an Rioghachd so dhionadh o gach namhaid. A Laochraidh threun, a’s caoine dreach, Buaidh gun chlaoidh a chaoidh ’nur feachd, Meas, a’s urram, dhuibh ’s gach àm, Furran Righ, a’s beannachd daimh. Nochdaibh anns gach cèum de’r triall. Siol na Feinn’, nach geill le fiamh, Bithibh crodha a dh’ aon rùn, ’S na h-uaibhrich lubaibh sios san ùir. Seasaibh dilis mar bu dual, Cha‘n eagal duibh nach toir sibh buaidh; Ni neart, a’s gliocas chaoidh ur dion, ’S ur namhaid geur cha meal a mhiann. Beannachd gheibh sibh o gach aosd’, ’S a mhaighdean òg bheir dhuibh a gaol, [TD 531] Ur mnaithean, ’s ur clann le briath’raibh bla, Na’n uchdaibh glacaidh sibh le gràdh. Thig sith an lorg ur ’n armabh geur, A’s duisgidh cliu dhuibh air gach tèud, Bithidh an t-àl, a thig le iongna graidh, Gu tric air sgèul na trèun, a bha, Mairidh, mar sin, a chaoidh ur cliu, Mar dhearsa grèin’, nach caochail gnuis, ’S their lìnnibh cian le briath’raibh àilt’ ’S e Albain chiosaich dhuinn gach nàmh. [TD 532] CUMHA do Chlainn Mhunga Reid ann am Braigh Fasaidh, mar gu’m b’ann le’m mathair, bean uasal chliuiteach air dha thriuir de Clainn, (a thug barrachd air moran anns gach deagh bhuaidh), a bhi air an guilan as a bheatha so le fiabhras coimheach cas air lorg a cheile anns a bhliadhna 1795. Air fonn,—“A bhliadhna leim sinn d’ar milleadh.” ’S i so ’n aimsir a leon mi, ’S a d’fhag dubhach ri m’ bheo mi, D’fhalbh m’aighear ’s mo shòlas, Theich mo ghrian ’s thainic ceò orm, Thuit mi ’n oiche dhubh bhrònach ’g am chlaoi. Thuit mi, &c. Thainic osag neo-chaoinail, Thug i dhiom mo mheoir ghaolach, D’fhag i lom mi air aonach, ’S tric mo dheoir uam ag taomadh, O tha m’annsachd sa chaol-tigh gun chlì. O tha, &c. [TD 533] O! eugail gun chaoimhneas, ’S olc a bhuin u ri ’m chloinn sa, Gun aon leigh ri fhaotuinn, Na gun lus anns an aonach, Dheanadh furtachd na feum dhoibh san tìm. C’ aite ’m faic mi ’ur ’n aogas, Fiurain bhoidheach, ghlan, ghaolach, D’fhas flathail deagh-bheusach, Lan tuigse agus ceille, ’S truagh an lath ’g ur treigsin co òg. ’S tric ur ’n iomhagh ag cinntinn, Air suil mo throm inntinn, Anns an oich’ bithidh mi cluinntinn, Guth ’ur beoil tighinn ’g am ionnsaidh, Ach cha toir sibh dhomh cainnt ’s mi fudh bhròn. ’S tric m’ osnaich ag eirigh, Mari dearsa na greine, A’s ann an sileadh na h-oiche, ’S tric mo dheoir uam ag taomadh, ’S beg mo chadal, d’fhalbh ’m aogas a’s m’ fheòil. [TD 534] Co chi mi ag caoineadh? ’S a their gu’m bheil sud gun aobhar, D’fhalbh mo dha mhacan ghaolach, D’fhalbh mo nighean bu caoine, Och! na’n och! gur mor aobhar mo bhròin. Co a ghleusas an fhiodhall? O na chaidil thu Iain; ’M bi i tosdach gun uidheam, Na’n duisgear ceol lea ’m buidhean, ’S a chaoidh nach mothaich i buille do mheòir. Ciod e’n stà dhomh bhi ’g innseadh, A liuthad buaidh bha ribh sinnte, ’S nach dean sibh chaoidh pilltinn, A thoirt sòlais do m’ inntinn, Ge do tha mi gu tinn lè trom bhròn. Pillidh ghrian anns na speuran, Fàsaidh duilleach air gheugaibh, Duisgidh feur air na sleibhtean, Ach cha duisgear mo chloinn-sa, ’S trom an cadal tha daonnan na’n còir. [TD 535] Am fear a shiubhlas do chein tìr, Bithidh duil aig a chaomhich, Gu an till e’n deigh saothair, Ach na shiubhlas do’n chaol-tigh, Cha till iad a chaoidh anns an fheoil. An tuisg’ a thuiteas air sleibhtean, A d’ionnsaidh chuain theid na steudibh; Ri la greine ni è eirigh, Togaidh neoil è sna speuran, Ach cha togar a chreubhag gun deo. Ge do ghuilean gach bliadhna, Ag osnaich gach ial diubh, Cha’n fhaigh mi chaoidh m’iartas; Cha’n glasadh gu h-iosal, Ann an ionad na di-chuimhn’ fudh ’n fhoid. C’aite nis bheil ur dathigh, A thriuir chloinne bu mhaisich, Na chum ’m bàs sibh fudh ghlasaibh, Na’n d’fhag sibh a sheomairchean glasa, Anns na chuir è sibh chadal ro òg? [TD 536] Tamh cha d’rinn sibh na thalla, Bha sibh uile gun smalan, Chaidh ur giulan do’n chala; ’S nach ’eil curam na gearran, Theich an oiche ’s thain an solus d’ur còir. Bheir sud sòlas do ’m’inntinn, Ged robh mi brònach air timibh, Cha bhi mo shuilean ag sior shruth, Stadaidh m’ osnaich ag direadh, Thig ial an lath na díle a’s mò. Cha mhoir sneachda a gheamhraidh, Na sheasamh daonnan sna gleanntaibh, Cuiridh ghrian è na dheann shruth, Eirigh luibhean an t-Samhraidh, ’S theid trusgan ùr air gach crann a chaidh leòn. Cha bhi neoil dhubha, dhuaichnidh, Tighinn an conuidh mu’n cuairt duinn, Eirigh ghrian, ’s theid am fuadach; A’s gheibh sinn solus bhithras buan duinn, ’S gach aobhar tuiridh, a’s truaigh’ theid air chùl. [TD 537] Mo mhile beannachd do m’ ghaolaich, ’S òg a d’fhag iad an saoghal; Ach ’s gearr gu’m faic mi an caoin-chruth, Mar dhearsa greine nach caochail, Far nach deallaich an t-Eug sinn ni smò. DUANAG Sappho ann an Gailic. AGHMHOR mar Dhè neo-bhàsmhor tha An tog-laoch gu caidreach shuidheas ri d’sgà, A chluinn, ’s a chi re fad na h-ùin’ Do bhriatharan draoithail, ’s t’ fheasghair ciuin. Och! ’s tur a d’fhogair thu mo chlos, ’S a dhuisg thu m’ chridh’ gach buaireas bochd, ’N’air bheachd mi ort, ’s mi guint’ le d’àill, Bhuail rachd a m’ uchd, ghrad mheath mo chàil. Ghrad chaoch mo shuil le ceoan uain’, Stac aoidh mo chluas le bodhar fhuaim, Ghrad thug am plosg a bheannachd leam, Is shniomh mi seach gun dig a m’ choim. [TD 538] MARBH-RANN do Mhaistir Alastair Friosail, Ministeir Chnoic-Muire * ann an Aird Mhic Shimidh. Air fonn—“Feasgar luain, a’s mi air chuairt.” Le Uilleam Ros. ’S aobhar dhèur an sgèul gun bhrèig, Gu’n d’èug an treun, a b’ èuchdaich’ gnàs, Dearsa caoin, a thaom o’n ghrein, Le aiteal caomh toirt soillse graidh; Ulaidh luachmhor, bha toirt fuasglaidh Do gach truaghan fhuair a chràdh, Beul na taitneachd, cridhe a cheartais, Lamh a phailteis, ’s tlachd gach càil. O Bhàis gun bhàigh tha lùbadh bàrr, Nan gëugaibh, ’s ailte fàs, a’s cnuas, Gaol, na gradh, na urnaigh daimh, Cha saor sinn trà o d’ laimh gun truas, Sgoirt a chrèuchd thu sinn le d’ bhèumaibh, * Kirkhill. [TD 539] D’fhag thu sinn gun cheill, gun tuar, Sinn mar luing gun stiuir, gun aodach, Air chuan beucach eiti, fuar. Ar cridheachan bochd tha air an lèireadh, O na chaochail rèul ar n-iuil, Suil ar n-inntinnean sior iondrain, Dreach, a’s samhladh fir do ghnuis, Do bhriathran beoil, do thuigse mhòr. Do chridhe còir nach d’ fhoghlum meang, An tiochd, ’s an gràdh bha pailt na d’ chàil, Bithidh sinn gu bràth gun stà na gheall. Cha’n ann gun aobhar tha nar bròn, ’S goirt ar leòn, ’s gur mòr ar crèuchd, Ar buachaill treun a dhol fudh ’n fhòid, A’s sinn gun bheo, gun treoir na dheigh; Tha nar n-innteanan air caoch’ladh, Chaill ar smaointeanan am buaidh, Tha sinn buailteach do gach miosta, O’n la d’ fhag thu sinn gu truagh. Tha bhantrach bhochd a lot an t-Eùg, Air call a steigh, ’s i caoidh fudh bhròn, [TD 540] Tha’n dilleachdan gun suil na dheigh, ’S e dh’easbhuidh aodaich, agus loìn; Tha’n taineol truagh ag dol mu’n cuairt, Mar neach ’s e gluasad ann an ceo, A’s iad gu leir ag sileadh dhèur, Nach nochd thu feilachd dhoibh ni ’s mò. C’ait’ am faighear ceann na ceille, C’ait an tamh an gaol, ’s an gràdh, C’ait’ am faighear na deagh bheusan? O nach mairthean sèud gach àgh. C’ait’ am faighear steigh na firinn, Inntinn aon-fhilte gun mheang, Iochd gun ardan, seirc, a’s cairdeas, ’S cridhe bla, gun tair, gun fheall? ’S tric an osnaich throm le dèuraibh Aig an treud a dh’eisd riut seal, ’S iad ag cuimhneach air do bheusaibh, Fhir na ceill, a b’aobhaich gean, Tha ’m beoil an cònuidh air do chòradh, ’S air gach seol, as deigh bha d’ rùn, A chlaoidh gach ea-coir bha ga’n leireadh, S a thoirt leirs’ air beusaibh ùr. [TD 541] ’S e’n urnaigh dhian, o rinn thu triall Gun dùil gu cian re d’theachd a nall, Gu’m biodh do ghineil ac gu’n riaghl’, Mar lochran fial an ciall, ’s an gradh; Gu’m biodh a thiodhlacan gu lionmhor, A chuir t’iarguins’ as an dàil ’S gu’n tilleadh grian le dearsa fial Air chridheachan cianail, tiamhaidh graidh. [TD 542] MARBH-RANN mar gu’m b’ann le bhrathair, do Chaiptean Nial Stiuart Mac Sheumais Stiuairt nam Fasainean, a dh’eug anns na h-Innsibh soir. CO-SHEIRM. ’S cianail, ’s cianail, o! ’s cianail ata mi, ’S cianail gach ial mi, ’s cianail gach latha, ’S cianail gach bliadhna, o! ’s cianail gu brath mi, O’n a chaidil Nial cian fad’ o chairdean. ’S tùrsach gach lath mi, ’s craiteach gach oiche, O’n a chaidh mo bhrathair a chàradh ’s a chaol tigh, Cian fad’ o chairdean, ’s o’n aite bu caomh leis, Cha’n faic mi gu brath e, o! ’s craiteach a chaoidh mi. ’Nuair bha mi’n dòchas gu’n seoladh tu dhathigh, Gu mealamaid do làthaireachd, do ghràdh, a’s do chaidridh, ’S ann a fhuair mi sgeul, a thug dèur air mo rosgaibh, Gun do bhuail an t-Eug thu, ’s nach faod thu thigh’n dathigh. [TD 543] Marbh-phasg ort a bhàis sin! ’s neo bhàighail do bhèuman, ’S tric thu sgaradh bhrathairean, a’s chairdean o cheile, ’Nuair a’s mò an dòchas ri sòlas, ’s ri eibhneas, Tha do ghaths’ ga’n leonadh, ’s cha’n eol duit an treunfhear. ’S òg rinn thu fheuchainn gur treinfhir o’n d’fhàs thu, Bha do ghniomh, ’s do bhèusan aig ceudan mar sgathan, Cleachdan mi-cheutach, na ea-coir cha b’àil leat, Do dhuais dhuit cha’n èurar, deagh sgeul aig gach àl ort. ’S fhada bhitheas t’iondran, a’s t’iomradh ’sna h-Innsean, ’S ioma fear a chàraich thu n-aiteachan rimheach, Bu tearc a measg Ghaël thug barr ort an dilseachd, Ann an iochd, ’s an cairdeas, an gradh, a’s an firinn. ’S ioma fear tha deurach o dh’eigheadh do bhàs-sa, Chaill iad an treunfhear, nach treigeadh a chairdean, [TD 544] Ceannard math gleusda, nach geilleadh sna blàraibh, Sheasadh duinail, treubhach, ri aodain gach namhaid. ’S tùrsach do chairdean an trasa ga d’ chaoineadh, Ach agam sa tha ’m fath air bhi craiteach ri m’ shaoghal Tiunnal do ghraidh dhomh o thàr sinn o cheile, ’S tearc air an là so ga àrach measg dhaoine. Fuighar gur faoin domh ri sgeul as na h-Innsean, Tuille cha leugh mi t’euchd ann an scriobhadh, Chuartaich an t-Eug an treunfhear gun chrìne, Ceann na ceill, agus beul na firinn. [TD 545] SLISNECH seaga Fhinn o Bhaoisene re Halbha Gruidhbric Inghean Chormaic. CIOD is lionmhoire na feur? ar Fionn. Driuchd ar an Inghean. Ciod is teotha na teine? ar Fionn. Gnuis duine mhaith gus an tigeadh aoidhidhean gun bhiadh aige dhoibh, ar an Inghean. Ciod is luaithe na gaoth? ol Fionn. Meanma mna, ar an Inghean. Ciod is milse na mil? ol Fionn. Briathra tochmuirce, ar an Inghean. Ciod is seirbhe na neimh? ol Fionn. Athais namhaid, ar an Inghean. Ciod is duibhe na fiach? ol Fionn. Eug, ar an Inghean. Ciod is faobharaich na claidheamh? ol Fionn. Ciall mna eadar dà fhear, ar an Inghean. Ciod is fearr de sheudaibh? ol Fionn. Sgian, ar an Inghean. [TD 546] Ciod is maoithe na cluimh? ol Fionn. Dearna ri leacain, ar an Inghean. Ciod is long ri gach lucht? ar Fionn. Teanchuir’ Gabhain, ar an Inghean. Ciod is gile na sneachda? ol Fionn. Firinn, ar an Inghean. C a lion crann bheil an coill? ar Fionn. A dhà, ar an Inghean, iodhon ùr, agus crion. Ciod is aille dath? ar Fionn. Ruidheadh saor cloinne, ar an Inghean, an uair am molta, no an aoirc. Ciod is brisge na cutharalan? ar Fionn. Aigne mna eadar dà fhear, ar an Inghean. Ciod ar nach gabh glas, na slabhraibh? ar Fionn. Rosg duine mu charaid,ar an Inghean. Ciod is fearr do mhnaoi? ar Fionn. Tlas, fos feile, ar an Inghean. Ciod is fearr do rosg? ar Fionn. Fuar dorcha, codladh, ar an Inghean. Cia lion each imtheas tuillte? ar Fionn. A dhà, ar an Inghean, iodhon fireann, agus bainion. [TD 547] Ciod is fearr do bhiadh? ar Fionn. Bleacht, ar an Inghean. Ciod is fearr do laoch? ar Fionn. Gniomh ard, is uaill iosal, ar an Inghean. Ciod is measa do bhiadh? ar Fionn. Blionach, ar an Inghean, agus ol corma ar cead longadh. AIREAMH muintir Fhinn, agus Dhubhain. CEATHRAR fear fionn nan suidhe air thùs, A laoidheadh air mheamhair ni ’m bàs. Cuigear laoch dubha nan dàil De dhearbh luchd cogaidh le Dubhan, Dithis o Mhac Cumhail gu buaidh, A’s fear o Dhubhan dreach ruadh, Triuir o Fhionn a’s ailli dreach, A’s fear o Dhubhan Diurumach. Cha suidh Fionn ’s a Bhrugh bhàn [TD 548] Gun dithis dubh’ air a leath-laimh. Dithis eile na’m fochair sin De mhuintir Fhinn a h-Albain. Dithis dubha mu Dhubhan Dil, A’s aon fhear fionn na’m fochair sin. Da chomhlachan dubha na’n dàil, Dithis o Fhionn, a’s fear o Dhubhan, ’S cha b’fhulair dha fear eile. [Diagram] The above series of os corresponds to the order in which the men of Fingal and Duvan were seated. The letters F. and D., representing Fingal and Duvan, stand over the respective parties. Any person may see how Fingal’s men were saved, and Duvan’s thrown out, by beginning at the first of Fingal’s men, and counting the series in a circular manner, always casting out the nines as they occur, until the one half of the number is exhausted, which is marked with a dash of the pen. [TD 549] CORADH tiamhaidh eadar Inghean oighre Bhailacliath, agus Murcha Mac Brian, Righ Eirin. INNIS dhomh-sa fhir fudh chreuchdaibh, A mhic cheutaich an earraidh uaine, Ciod e’n leath, na’n cath o’n tain’ thu, ’S iad mo bhrathairean mo chuis truaighe. Innis thusa dhomh-sa air thoiseach Aobhar t’osnaich a gheug mhalta, Na’n robh daimh agad, na caradh, Ri fearaibh nan cridheacha calma. Tri trianan de chloinn mo mhathar, B’iad mo bhrathairean iad san uair sin, ’S ar leam fein gu’n robh iad caomhail, ’S a’ naonar ann an earradh uaine. Na’n tugadh tu dhomh-sa cobhair, Deoch fhuar o thobar na h-iocshlaint’, Gu’n innsin duit na comain sgeula Air naonar an earraidh shioda. [TD 550] Sin ghluais a bhean gu suilbhir, Gus i chluinntin sgeul a brathairean, A’s fhuaras lea ’n tobar tuinn-ghlan, ’S e Iomlan an cois na tràighe. Thog i lea làn a cuaiche De uisge an fhuarain ’san àm sin, ’S gu’n tug i dh’ionnsaidh an laoich e, ’S bha’n sgeul ud faoilidh o’n bhantraich. A nis o chaisg thu t’iota tharta, Innis dhomh-sa pairt de d’ sgeula, Ach a laoich na biodh ort iomghuin, ’S an leam fein gur mor do chreuchdan. Latha dhomh-sa bhi sa bhlàr, Anns an robh na curaidh chalma, Le m’ chlaidheamh geur, a’s mi m’aonar, Leam a thuit do naonar brathairean. Thuit mo bhrathairean-sa ’n Cath chluaine, ’S air leam fein gur cruaidh an aoidh, Sgal a chuilein chaoin a chualas A’s mò a rainig riamh mo chridhe. [TD 551] Ach mus cruaidh leat sgal a chuilein, Na bi caoidh cloinne do mhàthar, Air ghradh t’einich na ceil orm, Co thu fein, na co e t’athair. Inghean oighre Bhailacliath, Cha cheilinn a thriath nan lann, ’S do ghruagach Eilein nan eun, ’S ann a rug mi fein mo chlann. Mis’ a’s gruagach a chuirn Cheusda, An triuir macan, a’s an cu, An t-seisear a b’ailli fudh ’n ghrein, Gus n’ do mhill sinn fein ar cliu. A mhacain sin a ghearr na spaoidh, O’n a thog thu do shleagh ri sion, A nis o thainig mi do d’ fhios, Innis a ris co thu fein. Mise Murcha sin mac Brian, ’S ioma sciath a sgoilt mi’n cath, Gus an diugh gu’n diongain ceud, Le m’ chloidheamh geur, a’s le m’ ghath. [TD 552] Triochad bliadhna thug mi beo, Mar chuilean na chluainean fein, Cha robh bàigh agam ri neach, Ach ag sior thoirt chreach an geill. Latha dhomh-sa bhi san Dùn, ’S ann domh fein bu chruaidh an sgèul, D’fhag mi’n gruagach, ’s a thriuir mac, Sìnte fudh ’n bhrat shioda, sheamh. ’S air an taobh mu thuath de’n Bhrugh sin Chunnacas an tobar a b’àluinn’, Bha na bric a’ snamh gu h-eatrom, ’S iad ag leimeadh suas re bhraghad. Na tri bric àluinn, iongantach, Re faicinn sgàile m’ aodain-se, Thuit iad fuar ann an tinneanas ’S ann domh-sa a b’aobhar thursaidh sud. ’Nuair a chual’ an cuilean sitheadh, Gu’n robh mis’ a caoidh na cloinne, Leig se na tri sgalan uaith, ’S thuit se fuar mar neach eile. [TD 553] Chladhaich mi uaigh dhoibh san Innis, O na d’fhalbh iad de’n aon tinneas; Ach a Mhurcha nan sciath laidir, Sin agad mur d’fhag mi’n Innis. Ach a Mhurcha nan gruaidh corcair, O ’s ann leat a lotadh mo dhaoine, Gur e chobh’readh air mo dhochunn, Làn a chopains’ dhe d’fhuil chraobhaich. Tog thusa leat làn do chuaiche De’n fhuil fhuair, a’s i gun tiomadh, Eineach deighionach cha’n èuram, Thoir leat mo sgeul, agus imthich. [TD 554] DUIL Mhic Stairn ri h-Eirin. Is tiamhaidh nochd Gleann comhann, Gun ghuth gaothair, a’s gun cheol, Gun fhuaim air Chlàraibh nan tèud, Gun uirsgeul Threun, a’s gun òl. Thosd guth nan Filidh na Mhùr, Tha muirn a-Bhuidhne air sgur, Nior fhan ach mise na’n deigh, ’S mo chònadh air treigsin tur. Is mi an sean-fhear gun treoir. Mar aon Lon leont’ anns a choill, Mar shònn gun snodhach, gun fhàs. Air chaileachd buidhir, a’s daill, Cha b’ ionann ri linn Mhic Stairn, Bha abhaist Oisein, ’sa neart, Bu mhaith a dhimreadh e lann, Cha b’fhànn a dhorn air a beairt. [TD 555] Cha b’amhlaidh iar chath nan Sleagh Fhònn ’sa mheanma ri fleagh Fhinn, ’Nuair thionail mu’n Righ a Laoich, ’S lasair chraobh ri solus grinn. Chaidh sligean, a’s cuirn mu’n cuairt, Cha’n fhaicteadh gruaim air gnuis, Agus co-sheirm cheann, a’s chlàr, A’ togail àbhachd, a’s mùirn. Ri Ulann, a’s Cairiol, a’s Raoini, Labhair Fionn Ghaël gu fòil, Togaibh Dàin luaidh ar Trein fhir, A choisin o chein cliu, mar chòir. ’S ait is Righ Lochlain nam buadh Na Dàin a luaidheas deagh-ghniomh, ’S is taitneach le Fionn an glèus, Thig air bèus Ghaisgeach na strì. Leig mo Righ maraon, a’s Mac Stairn Ri h-èisteachd Chlàrsach nam fònn, Bha cèud Cruit, ’s dà chaogad Bàrd, Mu’n dà Ard Righ air an Tòm. [TD 556] Chaitheadh mar sin an oiche, Gu soillse maidne sàir-ghil, ’Nuair chluinnteadh caismeachd an stuic, A’ greasadh Fhear Lochlain gu tràigh. Nior liosda astar an long, Ag ascnadh thonn air an leirg, A’s strann ghaoth Eire fuasnadh An Sleisdean thar cuan-shruth-mear. A mhnathan na tìre a’s soir, A’s buidhe folt, ’s is geal braghad, A’s tric air muir tabhairt shùl, ’S a tathaich brù na traigh. Coisgear re seal ur ’n iomguin, ’S an Cabhlach ag iompaidh nur dàil, A’s subhach leam sibh ga fhairgsin Air fairge mar eun fàire. Ach ’s truagh leam cuid agaibh caoidh, Nan Saoi math, ’s fearr na brathair, Na leannain caoin, gheal, ciuin, Nach stiuir am feasd long thar bàrlinn. [TD 557] ’S cruaidh leam ur’n airc mu dheibhinn Na chaidh an Eirin fudh ùir Is tùrsach leam sgal an con Air fiadh, na lon nach tabhair suil. Is goirt leam an donnal bròin, A’ togail sgeoil d’ an caomhainn Taibhse nan treun bhi sa cheo ’S an saighdean gun seol aonaich. [TD 558] CORAG Bhrain, a’s a Choin duibh. AIR bhi dhuinn la sa bheinn sheilg, B’ainmic leinn bhi gun choin, Ag eisdeachd ri gàirich eun, Ri buirich Fhiagh, agus Lon. Rinn sinn àr ann gun cheilg, Le ar conaibh, a’s le ar’n armaibh nimh, Thainig sinn da’r teach tra nòin, Gu subhach ceolar le gean. An oiche sin dhuinn an righ Fhinn, Ochoin! bu ghrinn ann ar cor, Ri dhuinn a bhi sgathadh theud, Ri caitheamh Eun, Fiagh, a’s Lon. Mocheirigh rinn Fionn air ath là, Mu’n d’thainig grian air a bhruth, A’s chunnaic e teach o’n Leirg, Fear cochaill dheirg, a’s coin duibh. [TD 559] Mur so bha a shnuagh, Bha dha gruaidh air dhreach nan suth, Bu ghile na canach a chneas, Ged tharla da fholt a bhi dubh. Thainig thugain gu mor chìadh, An gille grinn so bha mar shoin, Air urla cha luidhcadh sgà, Ag iaraidh air chach còrag chon. Leig sinn h-uige an tùs a bhlair, Gach gregh a b’fhearr a bha na’r mur, An cù dubh bu gharg a ghreis, Mharbhadh leis caogad cù. An sin labhair Fionn, Is i so an iorghuil nach lag, Thionnda a chùl ris an t-sluagh, A’s thug buille le gruaim do Bhran. Dh’amhairc air Bran buaghach, A’s b’iongna leis e ga bhualadh, An lamh sin le an do bhuail mi Bran, Is truagh o’n ghualain nach do sgar. [TD 560] An sin chrath bran an t-slabhraidh oir, A measg an t-sloigh bu mhor a sgal, Las a dha shull ann a cheann, A’s dh’eirich greann air gu cath. “Buinibh an iall o mo chu gun dail, Bu mhaith a sta gus an diugh, A’s faicimid sgainneirt ghlan, Eadar Bran, a’s an cù dubh.” Is maith an cumadh bh’air mo chù-sa, Bha alt luthaidh fad o cheann, Meadhon leathan, leobhar, chliabh, Uilean fhiar, agus speur cham. Casan buidhe bha aig Bran, Dà thaobh dhubh agus tàrr geal, Druim uaine mu’n suidhe sealg, Cluasan corrach, cro dhearg. Leig iad na còin sròn ri sròin, Measg an t-sloigh dhoirt iad fuil, B’e sin an deabhaidh laidir, gharg, Mu’n d’fhagadh leis marbh an cù dubh. [TD 561] “Shaoil mi nach robh anns an Fheinn, (Ars Ebhin Oision o stolb nan con) Aon chù air meud a threubhachd, A bheireadh creuchd air For. Is mar biodh gach seol, agus car, Bha aig Bran, a’s ro mheud a luith, Cha robh cù mu’n duineadh iall, A d’fhagadh e siar nar dùn. A’s ioma gruagach fhionn gheal donn, A’s guirme suil, a’s or bhuidh folt, Tha an duthaich mhic Righ Torc, Bheireadh biadh do m’ chù sa nochd. Thiolaic am fior laoch fial, An leabaidh chaoil chriadh a chù, A’s thiolaiceadh leis an Fhiann, San dùn siar ud caogad cù. Chaidh sin le mac Cumhail nan corn oir, A dh’iomairt, ’s a dhol don tùr, A Righ b’aoibhinn, a’s bu làn ar teach, Ged nach bheil neach dhiubh sa mhùr. [TD 562] AOIDHEADH Chlainn Uisnich. A Chlann Uisnich nan cach geala, A’s sibh an tìr nam fear fuileach, Ciod e do bhi air ur n-eachaibh, Na’n ceann fath ata ’g ur cumail? Ata ’g ur cumail fada uainn? A’s gur leibh chuireadh an ruaig, D’a’n lamhadh bagad ur nàmh Ur ’n amladh anns a chumasg. Ach chuireadh leibh ur long a mach, A chaitheadh a chuain gu h-eolach, Bha Naos subhach ga seoladh, A’s Aille, maise nan ògan. Bha Ardan bu deise ga stiuireadh Air freasdal a dhithis bhrathar iulmhor, Codal shùl is beag a thlachd Do’n mhnaoi tha ac air deoraidheachd. [TD 563] Tha an ghaoth gun eisiomail ri’n sceimh, A’ cleachd r’an trilsibh grinne, reidhe, A’s mar an oiche tha folach a boichead, Tha Dearduil dubhach, dubhrònach. Dearduil thug barrachd an ailleachd, Air mnaibh eile na h-Eirin. Ni choimeasar rithise càch, Ach mar bhaideal air sgà na reultaig. “Ciod e fath do thùrsa a bhean? A’s sinne beo re do bheatha, A’s nach aithne dhuinn neach d’ar buadhach, An ceithir bruachaibh an domhain.” “Aisling chunnacas an raoir Oirbhse a thriuir brathar barra-chaoin: Ur cuibhreach, a’s ur cur san uaigh, Leis a Chonachar chlaon, ruadh.” “Air chlachaibh sin, a’s air chrannaibh, A’s air lachaibh nan linntean, A’s air cuileanaibh nan fiadh-chon, A’s air iorball fiar an t-sionnaich. [TD 564] Ciod e bheir sinn an dàil an laoich? A’s fairsineachd na fairge a mach, A’s a liuthad cala, caol, a’s cuain, ’S am feudamaid tarruing gun uamhas.” Ceadal na h-òig mhna ni’m b’fhaoin, A’s diomhaoin spairneadh ri gaoith, Loch Eite bu chian o’n iul, A’s Conuill na crannghail ùire. Cha tig soirbheas a deas mo nuar! Cha’n islich frith na gaoith tuath, Cha tig Naos air ais ri a rè, Cha tog e ri brughach an fhèigh. Ris tha Cuiguladh a dlùthadh, A’s Conachar an gar na mhùr ud, A’s an tir sin uile fudh smachd, Anns na ghabh Dearduil dhe * tlachd. Bu shoineamhail le Dearduil an t-òg, Agus aghaidh mar shoillse an lò; Air li an fhithich bha ghruag, Bu deirge na an subh a ghruaidh. * Of Naos. [TD 565] Bha chneas mar chobhar nan sruth, A’s mar uisge bailbh a ghuth; Bha chridhe fearail, fial, A’s aobhach ciuin mar a ghrian. ’Nuair a dh’eirgheadh a fhraoch, a’s fhearg, Bi choimeas an fhairge gharg, B’ionann agus neart a tonn, Fuaim na lainn aig an t-sonn. Mar reothart a buinne borb, Bha e san araich fri streapa cholg, Anns am facas le Dearduil’ e’n tùs, A’s i coimhead o mhullach an Dùin. “Ionmhuinn,” ars an oigh thlath, “An t-aineol o bhlàr nam bèud, Is goirt le cridhe a mhàthar, A dhàinead ri uchd na streapa. Is nearachd nighean do ghràidh An Albain àghmhor nan gèug, ’Nuair chi si o bhord na mara A’s e greasadh gu cala an treun.” [TD 566] Ach a Dhearduil bu ghrinne nòs, Tha do chòradh air fas fànn, Tha toirm nan stuadh, a’s na gaoithe, Tabhairt caochlaidh air t’ uirgiol aìn. “Ionmhuinn tìr an tìr ud shoir, Albain cona lingantaibh Gur truagh nach mise tha r’a h-oir, Gur truagh nach mise, a’s Naos. Soruidh soir gu h-Albain uam, Far a’ maith fradharc cuain, a’s ghleann, Anns am biodh mic Uisnich re sealg, B’eibhinn suidhe air leirg am beann. Cha b’iongna mise thabhairt graidh Do Albain àir bu reidhe ròid, Bu ghlan mo cheile na measg, Bhiodh leam a h-eich, a’s a h-òir. O ghlinn Masain! sin gleann m’annsachd, Ge gorm a chreamh ’s geal a ghasan; B’ait a dheanain cadal corrach Air do mhullach-sa ghlinn Masain. [TD 567] Gleann Daruadhail, gleann gach buadha, An gleann ’s am binne guth cuaiche, Is binn guth gadhair fa’n choille chruim Air a’ bheinn os gleann Daruadhail. Eibhinn Dùn-meatha, a’s Dùn fionn, Eibhinn an Dùn bhiodh os an cionn, Eibhinn Innis-droighin leathann A’s lea sin Dùn-suibhne. Ceathrar sinn an Innis-droighin, Far nach feudadh sloigh ar noigheadh, Mise fein, a’s bu mhòid m’ àgh Naos, Aille, agur Ardan. Bhiodh Ardan agam ri teirbheirt, A’s Aille re seilg shleibhtean, Naos na cheann air muintir, A’s mise re tuirmeadh theud ann.” “A nighean Cholla nan sgiath,” Do radh Naos, bu tiamhaidh fonn, “Ge fada uainn Albain nam fiagh, A’s Eite na ciar aighean donn. [TD 568] ’Nuair shiolaidheas an fhairge bhras, A’s a theid srad air a ghaoith tuath, Cothaichidh sinn cala taimh, No samhchair air aghaidh chuain. Rachams’ a choimhead an Duin ud, Biodh Aille re h-iul fa thuaisceart, Agus Ardan a faireadh na tragha, Mu’n tig ar namhaid mu’r tuaiream. Fansa ghèug na maise San luing chais, gus an till sinn, Ni h-eagal gu tig bèud na d’ dhàil, A’s claidhean nach cearr ga d’ dhidean.” Bu doilgneasach cór na h-Aille, A’s i ’g eisteachd re gàirich thonn, B’ion thruaighe a siltshuil chiuin, A’s a diuir mu Naos nam buadh. Tha cridhe luamain re h-osnaich, A’s nach cluinn i foram a gaoil; Is beag a h-uamhan roimh an donshion, A’s a smuain air comunn a graidh. [TD 569] A Thriath Eite nam morfheart, A’s a bhrathairean nan dearc caomh, Fòiribh air Dearduil a bhròin, A’s na leigibh an tòir na gàr. Chi si ag iompaidh mu coinneamh Naos fudh dhoileireachd gnuis, Taireis da aogasg Chuchullin, A mhothachadh ag uilleann an Dùin. B’adhbhail an Taibhse fudh sprochd Bu lionmhor osnaich a chleibhe Bha rosg fann mar lasair mhuchta, A shleagh na ceo re cùl a sgèithe. Mar ghaoith fhàis an uamh nan còs, Bha tuireadh, a’s bròn na ghuth. Bu chianoil aigne Naois a’ claistin Sgeala a bhàis o an chruth. “Cia fàth mu bheil t’ aigne trom, A Naois a’s lonnmhor nòs” Do radh Inghean Cholla gu tìom, “A’s gun agams’ ach brigh do ghloir. [TD 570] Cha mhairthean ach Naos, a’s Dearduil, Tha luchd a damh air dol fudh lic. Tha mi gun athair, gun bhrathair, A’s fear mo shàraich gun iochd. Tha reulan Sheallmaith air dubhadh, A’s a thulach air fas donn, Cha leim na bric re a shruthaibh, Cha tog cuach na uiseag ann fonn. Cha’n iongna a’s gur bas do Thruthal, Mo bhrathair thug urram thar slòigh, A’s gur chaireadh Colla caomhach, (B’e m’athair gaolach), fudh an fhòid. Bha Truthal le h-olltuadh cogaidh Chosnadh cothrom, agus còir; Tra bhiosa ma sgaradh nan tràth, Na m’ suidhe ag aird chraoibh an lòin. Thainig am ionnsuidh m’athair Fearsaid chatha bu lorg dha, Air aghaidh fhlathail cha robh sunt, A’s osnadh air grunt a chleibhe.” [TD 571] “A Dhearduil ghradhach,” ars an righ, “Ni mairthean do m’ shiol-sa ach thu, Thorachair Truthal ’s a chath, A’s tha Conachar nan gath dhomh dluth, Aith-dhioladh mo mhic, neo tuiteam, Is e bheir furtach do m’ aois sa, Da faighteadh tearmunn do Dhearduil, B’ èibhinn an drach dhomh-sa.” “Ma thuit crann iul a chatha, Og rathail na morchuis, Glacams’ athair mo bhogha, A’s tollam Conachar na adhbhar.” “Glacsa Dhearduil am bogha, Is sodhail leam brigh do cheille, Ach feuch gu fuirich thu m’ fhochair, A’s do shosta air chùl mo sgèithe.” “Faire na h-oidhche gu tiamhaidh, Ni bu chian gu madain shàrghil, Chaidh mis air uidheam catha, A’s lean mi m’Athair gu deonach. [TD 572] Ri beum sgèithe an aosda, Chruinnich a laoich air an fhaiche, Cha bu sochaidh iad air àireamh, A’s an ciabhan os barr air glasadh.” “Mo cho-aoisean bha tric sa bhlàr,” Dubhairt Colla gu blath re dhaoine. “Is cuimhne leibh cur a chatha Ann do thuit Connfada ni b’fhaoin e, Ata sinn anois air liatha, A’s ar n-òigridh chiatach san ùir, Thuit Truthal ar ceann treun, A’s tha èigin am fogus ar mùr. Ge do lag mata air na’r treoir, Rachamaid le deoin san iomairt, Diolamaid èug ar Macraidh, A’s thugamaid cath gu nimhail.” “Tharraing e a lann a truaill, A’s tharraing a shluagh gach lann leis, Ghluaiseamar a thabhairt còdhaìl Do Chonachar san lòn ma dheas. [TD 573] Bomhanach an iorghuil gharg, Mar dhealanach dearg a teine, Thainig an t-shaighid na srann, Thuit Colla nan lann air a sgèith. B’ioma-ghonta mo chridh ma m’athair, Chrom mi gu talamh ga thearnadh, Ach chaochail ruidhe a ghruaidh, Threig a shnuagh, a’s a chàil. Thainig Conachar ’s a shleagh na ghlad, Ach air m’fhaicinn ri deoir, Dh’iompaidh se uam a h-earrglas, Agus bha a labhairt le doigh. Ach cia uime an tugain gràdh. Do fhear craidh mo bhrathair, a’s m’athair, Agus sgiath, a’s claidheamh mo dhilsean, Air chiosnadh le neart a chatha.” “Agams’ amhàin biodh do ghradh, A Dhearduil a’s fearr a measg bhan, Ionann as reann air aghaidh neoil, Da bhriathra corr, a’s do ghean. [TD 574] Ge fada uainn Eite nam fiagh, A’s cobhair nam Fianna trein, Feadh a’s beo do Naos, ’s do bhrathirean, Cha tig air mo Dhearduil beud. Ni rachamaid iomroll air chuan, Mur bhiodh ghaoth thuath le fogha dhein, ’G ar iomain an luib ar namhaid, Gun asrus, gun fhath air treine.” Ach ge h-ard’ a ghrànras tonna, Ri traigh Chuiguladh nan stèud, Ge doineanta, luaimneach neoil, A toirneadh gu h-aigeal o spèur. Ni bheil mic Uisnich ag iaraidh N h-iorguil bhuirb a sheachnadh, Cha b’eagal leo duine, na daoine, Mur biodh Dearduil chaoin air seachran. Uisnich nan carbad innealt, Mo thuiteas do mhic san àraich, Cha’n innsear gun d’ob siad an iomairt, Cha tig air do chinneadh-sa tàir. [TD 575] Airm ghaisge an trein shinnsir, Cha diobair iad ach le’n anam, Agus ged iadh umpa miltean, Cha toillear leo diumadh an athar. B’ àm eirigh an sin do’n ghrein, Ni’n aobhar suaine dhuinn e, A’s long Chlainn Uisnich air tìr, Fudh bhaile mor Righ Conachair. Thainig Conachair a mach le fheachd, Fichead laoch, ceann uallach, A’s d’fhiosraich le briathraibh bras, “Cia na sloigh tha air an luingse.” Clann air seachran ata ann, Triuir sinn a thainig air tuinn, Air eineach, as air cuimric an righ, Tha gradh dilseachd ar cairdeis. “Cha chlann seachrain leam-sa sibh, Ni’m b’fheart saoidh a rinn sibh orm, Thug sibh a bhean nam am braid, Deardail dhonn shuileach ghle gheal.” [TD 576] “Eiribh, ol Naos, glacaibh claidheamh, A dheagh mhac righ a’s glain coimhead, Cuim’ am faigheadh a cholun shuairc, Ach amhàin aon chuairt de’n anam.” “Chuir Naos a shailtean re bord, A’s ghlac claidheamh na dhorn, Bu gharg deannal nan deagh laoch, Tuiteam air gach taobh de’n bhord. Thorachair mic uisnich ’s a ghreis, Mar thri ghallain ag fàs co dheis, Air an sgrios le doinean èitidh, Ni’n d’fhag meangan, mear, na gèug dhiubh.” “Gluais a Dhearduil as do luing, A gheug ur an abhraidh dhuinn, A’s cha’n eagal do d’ ghnùis ghlain, Fuath, no èud, na achasan.” “Cha teid mi amach as mo luing, Gus am faigh mi mo raogha ath chuinge, Cha tìr, cha talamh, a’s cha tuar, Cha triuir bhrathrire b’u ghlain’ snuadh, [TD 577] Cha’n òr, ’s cha’n airgiod, a’s cha’n eich, Ni mo a’s bean uaibhreach mise. Ach mo chead a dhol do’n traigh, Far am bheil Clann Uisnich na’n tamh, A’s gu’n tugain na tri pòga meala, Do’n tri chorpaibh caomha, geala. Ghluais Dearduil an sin do’n traigh, A’s fhuair saor ag snoigheadh ramh, A sgian aige na leath laimh, ’S a thuadh aige na laimh eile. A shaoir as fearr da’m facas riamh, Creud air an tuibhradh tu an sgian? Is e a bheirear dhuit d’a ceann, Aon fhaine buadhach na h-Eirin. Shantaich an saor am faine, Air dheisead, a’s air aillead, Thiubhradh do Dhearduil an sgian, Agus rainig i ionad a miann. [TD 578] Cha ghairdeachas gun Chlann Uisnich, O! is tùrsach gun bhi nur cuallach; Tri mic Righ le’n dioltadh deoraidh, Tha gun chòradh re h-uchd uaighe. Tri magh-ghamhna Innse Breatain, Triuir sheabhac o shliabh a chuillin, An triuir dha’n geilleadh na gaisgich, A’s dha’n tiubhradh na h-amhais urram. Na tri eoin a b’àillidh snuadh, A thainig thar chuan nam bàrc, Triuir mhac Uisnich an liunn ghrinn, Mar thriuir Eala air tuinn a snamh. Threigeas gu h-eibhneach Uladh, Fa’n triuir churaidh a b’annsadh, Mo shaoghal nan deigh cha’n fhada, Na h-eagar fear ath bhuailt dhomh-sa. Tri ialla nan tri chon sin Do bhuin osnadh o m’ chridhe, ’S ann agam-sa bhiodh an tasgaidh, Am faicsin is aobhar cumhaidh. [TD 579] A chlann Uisnich tha an sud thall, Nar luidhe bonn re bonn, Da’n sumhlaicheadh mairbh roimh bheo eile, Sumhlaicheadh sibh-se romham-sa. A thriuir threun o Dhùn-monaidh, A thriuir ghiollan nam feart buadha, Taireis an triuir ni mairthean mise, Triuir le’m briseadh mo luchd fuatha. Air fosgladh am feartan, Na deanaibh an uaigh gu docair, Bitheam am fochair na h-uaighe, Far nach deanar truaigh, na ochain. An tri sciathan, a’s an tri sleaghan, Anns an leabaidh chumhain cuiribh, Càiribh an tri chlaidhean cruadhach, Sìnte os cionn uaigh nam min-fhear. An tri choin as an tri seabhaic leadhar, Am feasd gun lochd seilge, Cuiribh an gar nan triath chatha, Triar dhalta Chonuil eughaidh. [TD 580] Och! is truagh mo shealladh orra, Fath mo dhocair, a’s mo thursaidh, Nach do chuireadh mi san talamh, Sul mharbhadh geala mhac Uisnich. Is mise Dearduil gun eibhneas, Nis ag criochnachadh mo bheatha, Bronnam le’m chridhe mo thri pòga, As duineam am bròm mo laithean. [TD 581] DUAN Chonlaich agus Cuthonn. * Oisian. AN cual Oisian guth neo fhaoin? Na’n è gairm laeth fa aomadh a th’ann? ’S tric mo smuain air aimsir nan raon, Mar ghrian fheasgair, tha claon’ an gleann; Nuadhaichear mor thorman na seilg, Sleagh fhada nam marbh ann mo laimh. Is ceart a chual Oisian an guth! Co thusa shiol dubhraidh na h-oiche? Tha Clann gun gniomh na’n suain fògh, A’s gaoth am meadhon an tallaidh gun soillse. Tha sgiath an Righ toirt fuaim air àm, Ri osag chàrn, a’s airde gruaim: Sgiath chopanach balla mo thallaidh Air an cuir mi car tamuil mo lamh. Ceart gu’n chluinn mi mo chara fein, Is fada guth an trein o luaidh! C’uim’ tha d’astar air neul gun fheum A shiol Mhornai nam beum cruaidh? * This poem is translated by Mr M‘Pherson. [TD 582] An gar dhuit cairde an triath fa aois, Sàr Oscar neo-bhaoth air chul sgiath? Is tric a bha ’n gaisgeach re d’thaobh A Chonlaich re àm aomaidh nan sleagh. Taibhse Chonlaich. An cadal do mhìn ghuth a Chothain, Am meadhon tallaidh fa mhoir ghaoith re toirm? An codal do Oisian nan corr-gniomh, A’s an ro-chuan mu chònuidh fa stoirm? Cha’n eil uaigh fa leirsinn san Innis, Cia fada bhitheas sinne gun chliu? A Righ Shealla-maith a’s fuaimoir’ gleann Cia fad’ bhitheas sinn air neulaibh cùil? Oisian. ’S truagh Oisian dh’a nach leir thu fein ’S tu suidhe gun fheum air do neul! An ceo thu bhar Lana a threin, Na tein-adhair gun bheum air sliabh? Co dhe tha cearb do thruscain bhaoith? Co dhe tha bogha faoin nan sliabh? Shiubhail e air osaig de ghaoith, [TD 583] Mar fhaileas fa aomadh nan nial. Tigsa a nuas o d’bhalla fein A chlarsach nan treun le fuaim, Biodh solus na cuimhne air beinn, Ithonn mu’n eirich an cuan. Faiceamsa mo chairde an gniomh. Chi Oisian gu’n trian na trein Air Innis tha dubh-ghorm le nial, Tha còs Thonn nan sian ag eirigh Air carruig choinich nan crom chrann, Tha sruth ri torman aig a bheul, Tha Toscar ag cromadh thair fhuaim. Tha Fearguth fa mhulad r’a thaobh, ’S Cuthonn a’ caoidh fada shuas. Am bheil gaoth air aomadh nan tonn, Na’n cluinn mi air chrom an guth? Toscar. Tha’n oiche fo thaomadh nan sion, Thuit crainn gu’n trian o’n cruaich, Tha dubh shiubhal na mara fa nial, Tha beucail nan crion-thonn mu’n cuairt. Le sealladh na fearna doi-threun Chunnaic mi, Fhearguith, gun bhèud [TD 584] An taibhse dh’a ’n robh trein’ na h-oich, Gun fhocal sheas e air bruaich, ’S a thruscan cuir fuaim air gaoith. Chunnaic mi dheuraibh le truaigh, An riochd duine gun tuar, ’s e baoth, ’S trom smuaintean ag taomadh mu chliab! Fearguth. ’S e t’athair a Thoscair a th’ann, Tha e faicinn a bhàis mu shiol. Mar sin a bha choltas san àm, San thuit Mor-ronan fa neul: O Eirin! nan cnoc, a’s uaine feur, Gu’m b’ annsa leam fein do ghlinn, Tha samhchair mu ghorm shruth do shleibh, Tha ghrian air do raoin gun bhi mall. ’S caoin fonn do chlarsaich an Sealla-maith, ’S glan guth o d’shealgair an Cromla; Tha sinn’ an Ithonn nan garbh thoirm, Trom, a’s duilich fa mhara beac-thonn. Na tonna le’n geala-cheanna baotha Leimeadh thairis air aomadh na traighe; Mise critheadh am meadhon na h-oiche, Oilt, as uamhann ga m’shàrach’. [TD 585] Toscar. C’ait’ a shiubhail anam a bhlair A dheagh Fhearguth nan leadan liath? Chunnaic mis thu gun eagal roimh bhàs, Do shuilean dealarach an sòlas nan sgiath. C’ait’ a shiubhail anam a bhlair? Cha robh eagal air ar athraichean riamh. Gluais a choimhead air glas lom nan sàl, Thuit a ghaoth le sàrachadh shion. Tha crith air na tonnaibh fa fhiamh, Gu’n caidil a ghrian an ciabh na-stoirm. Gluais a choimhead a mhoir chuain, gu thrian Tha mhadain gu h-iar, a’s i liath. Seallaidh solus nan speur o’n oir, Le morchuis, mar fhear, mu shoillse. Sgaoil mise mo sheoil, le sòlas, Fo thalla ard Chonlaich nan triath. Mo thuras gu Innis gun chaladh, Glan Chuthonn air toir nan ruaigh-ciara, Chunnaic mi mar dhearsa na soillse, Ag teachd na bhoisge fo na nialaibh. A leadan mar dhubh chùl na h-oiche, Air geal ùr la ’g eirigh gu dian; [TD 586] I ’g aomadh a tarruing na teud, ’S a ruighe glan na deigh dol sios, Mar sneachd air Cromla gun bheud. Thigsa gu m’anam a lamh gheal, A bhan Sealgair nan sàr Innse faoin. Tha i uairibh fo dheuraibh gun aireamh, Tha i smuaineach air Conlach neo bhaoth. C’ait’ am bheil do shithse oighe, A Chuthonn nam mor throm chiabh? Cuthonn. Tha creig ag aomadh thar sàl, ’S liath chrannaibh fa aois le còinich, Na tonna tha gluasad mu traigh, Air a taobh Innis bhla nan Ruagh. Oìghean na seilg gu’n thill o’n bheinn, ’S chunnaic e’n sealladh air an cùl. C’ait’ inghean Rumair nam beum? Cha do fhreagair na h-oighean fo ghruaim. Tha mo shithse air cruachaibh Mhorai, A shiol Innse na tìr fada shuas. Toscar. Tilleadh an oigh gu a sithse fein, Gu talla nan tèud aig Conlach. [TD 587] Is caraid do Thoscar an treun, Bha shleagh do mo reir na Mhor-thir. O Eirin thigeadh osag thlà, As seolamaid gu traigh na Morai; Air Mora tha samhain do’n oigh ghlain, Ach laeth Thoscair tha snamh gu doruinn. Bithidh mis’ ann an còs fo dhian, As mi sealltuinn air grian an raoin. Tha aiteal nan cranna o neul, Gu ciuin, a ghlan ainnir neo-fhaoin, ’S Cuthonn nan aoidh le guth broìn. Ach ’s fada o m’ chluais an oigh An talla Chonlaich nan corn fial. Cuthonn. Ciod a neul a tha tuiteam orm fein? Tha e ’g iomrach mo threunaibh shuas, Tha mi faicinn an truscain gun fhèum, Mar liath cheo air astar mu chruaich. C’uin’ a thuiteas mi a Rumair threin? Tha mulad mo chleibh gu bàs. C’uim’ nach faicinnse Conlach nam beum Mu’n tuit mi’n tigh-chaol gun chàil? [TD 588] Oisian. Chi thusa ghlan oigh do rùn fein, Tha astar an trein thar a chaol, Bas Thoscair tha dorcha mu shleagh, Tha lot, a’s e dubh, air a thaobh. Tha e gun tuar aig Tonna nan Uamh, A’s e feuchain a cruith, a’s e baoth. C’ait’ am bheil thu fein le d’ dheuraibh? A’s ard thriath na Morai gu bàs. Threig an aisling ghlas mo chliabh, Cha’n fhaic mi na Triaith ni’s mo’. A bhardaibh nan àm a tha gun triall, Cuiribh cuimhne air Conlach le deoir. Thuit an gaisgeach roimh iomal a laeth, Lion doirche a thalla le bròn, Sheall a mhathair air a sgiath air balla, ’S bha snamh na falla ga còir. B’aithne dhi gu’n thuit thu threin, Chualas a guth fo bheud am Mora. Am bheil thu oigh gun tuar, gun fhèum. Air taobh gaisgich nam bèum a Chuthonn? Tha’n oiche tighinn, tillidh ghrian, Gun duine gu’n toirt sios gu’n uaigh, [TD 589] Tha thusa cuir eunlaith fo fhiamh, Tha do dhèuraibh mar shion mu d’ghruaidh; Tha thu fein mar neul, a’s e glas, Tha ’g eirigh gu fras o’n lon. Thainig siol Sheallamaith o’n ear, A’s fhuair iad Cuthonn gun tuar, Thog iad an uaighein gu leir, ’S bha fois d’i aig Conlach nam buadh. Na gluais gu m’ aisling a threin, Fhuair Conlach nam beum a chliu. Cum fada do ghuth o m’thalla, Tuitidh cadal fo fhaileas na h-oiche. Truagh nach di-chuimhnichin mo chairde! Gus nach faicear air aird mo cheum, Gus an tiginn le sòlas na’n gara, An deighs mo chairis gun fheum, Le beud na h-aois, a chuir anns a chaol-tigh fhuar. [TD 590] DUAN Oisein do’n Ghrèin. O THUSA fein a shiubh’las shuas! Cruinn mar lan-sciath chruaidh na’n triath, Cia as a tha do dhearsa gun ghruaim, Do sholus a tha buan a ghrian? Thig thu ann ad’ àille threin, A’s falaichidh rèultan uainn an triall, Theid gealach gun tuar o’n spèur, ’G a cleith fein fudh stuaidh ’s an iar. Tha thusa ann ad astar amhàin, Co tha dàna bhi ’n ad chòir? Tuitidh darag o’n chruaich àird, Tuitidh carn fudh aois, a’s scòrr. Traighidh, agus lionaidh an cuan, Caillear shuas an Ré san spèur, Thusa d’aon a chaoidh fudh bhuaidh An aoibhneas buan do sholuis fein. ’Nuair a dhubhas mu ’n domhan stoirm, Le torran borb, a’s dealan beithr’ Seallaidh tu a’d’ aill o’n toirm, Fiamh-ghair ort am bruaidlean nan speur. [TD 591] Dhomh-sa tha do sholus faoin, ’S nach faic mi a chaoidh do ghnuis, Sgaoileadh cùil, a’s orbhuidh’ ciabh, Air aghaidh nan nial san oir, Na’n uair a chritheas ann san iar, Aig do dhorsaibh ciar air lear. Ach d’ fhaodadh gu’m bheil thu mar mi fein; ’S an am gu treun, ’s gun fheùm an àm, Ar bliadhnaibh a’ tearnadh o’n spèur, Ag siubhal le cheile gu’n ceann. Biodh aoibhneas ort fein a ghrian! A’s tu neartmhor a thriath ad òige. ’S dorcha mi thaitneach an aois. Mar sholus faoin an Rè gun chàil, ’S i sealltuin o neoil air an raon, San liath cheo air thaobh nan carn. An osag o thuath air an rèith, Fear siubhail fudh bhrèid, ’s e mall. [TD 592] DUAN eile le Oisein do’n Ghrein. AN d’fhag thu gorm astar nan Spèur, A mhic gun bhèud, a’s òr-bhuidh ciabh. Tha dorsa na h-oiche dhuit reidh, Agus pailliun do thaimh san iar. Thig na stuaidh mu’n cuairt gu mall, A choimhead an fhir, a’s glaine gruaidh, Ag togail fo eagal an ceann, Re d’fhaicinn go aill’ a’d’ shuain. Teichidh iadsa gun tuar o d’thaobh; Gabhsa codal na d’chòs tha dorch, A ghrian! as pill an tòs le eibhneas. CRIOCH. [TD 593] [Taobh-duilleig 1 san leabhar fhèin] FOCALAIR GEARR, ANN AM BHEIL GACH FOCAL, A’S DEACAIRE R’A THUIGSIN, AIR A NOCHDADH ANNS A’ BHEURLA. Abhaist, custom, manner, habit Abartach, bold, impudent, forward Abhachd, a harmless jibing, or joking Acarachd, gentleness, moderation, respect Aigealladh, a speech, a dialogue Aimisichte, bold, resolute, undaunted Aibhist, the ruins of a house, &c. Aineamh, a blemish, a flaw Ainsgianach, furious, ungovernable Airsideach, harmonious, unanimous Aisneis, telling, rehearsing Aithis, a check, affront, abuse Aiteagach, shy, indifferent, scornful Aiteal, light, also music Allonta, brave, noble, of good fame Allmharach, wild, fierce, barbarous Alladh, fame, greatness Altbhuadhach, victorious, triumphant Alach, a set, or bank of oars Amhas, a wild ungovernable man Amhlair, a fool, an oaf Anglonnach, very strong, of great deeds Anacladh, preserving, keeping from danger Aoidh, a mournful cry Arinneach, friendly, affectionate Arachtach, manly, powerful Arronnach, becoming, fit, decent Arronta, bold, daring, confident Armeineach, of a warlike disposition Arrachd, a dwarf, a pigmy Ar, slaughter, havock Arsaidh, old, antient, superannuated Ar, said Ascall, a forcible onset, a loss Asonadh, mounting ascending Asgail, the bosom, arm-pit, shadow, or covert Bàdhach, loving, kind Baganta, warlike, corpulent Bàgh, a bay, or harbour Bàth, rather baoth, simple, foolish Bairlin, a high rolling sea Bàigh, kindness, respect, friendship Ballsgiorrail, performing unexpected deeds Bàn, vacant, waste Bàraig, bestow, give away Barnaigeadh, summoning, warning Basbaire, a fencer Beurtha, genteel, clean, wellspoken Beithir, a bear, or any wild beast Biughi, a strong able man Biuthas, fame, reputation Bidean, a hedge Bionganta, perplexing, hampering Blaghach, effectual, renowned Boisgeanta, dazzling, flashing Bodhaig, the body Bròd, pride, arrogance Brideach, a dwarf, one of a diminutive size Brionglaid, a dream, a revery Bruchag, a chink a leaky vessel Bruide, a stab, a thrust Buamasdair, blockhead, an inconsiderate person [TD 594] [Taobh-duilleig 2 san leabhar fhèin] Caìl, condition, state, or the quality of a thing, or person Cannran, mutt ring, or grumbling Camh, power, might Caraiche, a wrestler Carthan, charity, friendship Calluinn, an entertainment prepared for the new year Caoch, blind Ceanail, kindness fondness Ceolraidh, the muses, musicians in general Cià, a man, a husband Cioschain, a tribute, a tax Ciorusgrach, clearing, or driving away with the hands Clannmhor, fruitful, abounding with issue Cliaranach, a bard, a songster Clibeach, stumbling sliping Clothadh, mitigating, making calm Cnòdach, acquiring, gaining, scraping together Cneid na cnaid, scoff, jeer, derifion Cneadhach, full of wounds, or giving wounds Colganta, lively, martial Cointinneach, contentious quarrelsome Confhadhach, furious, raging, boisterous Conspullach, warlike, brave, hero-like Corrghleusach, well-prepared, in good condition Co-sheirm, harmony, chorus Cothadh, supporting, protecting Coisir, a great feast, the company entertained, also a concert of birds Colg, a sword, any thing sharp-pointed Conntroigh, a nep tide Corsa, a coast, or shore Co-dhealbhadh, the constitution Col, impediment, prohibition Corma, no cuirm, a kind of beer used in Ireland Crampadh, quarrel, strife, wrangling Crathadh, churning, or making butter Crodha, brave, hardy, valiant Curanta, courageous, intrepid Curaideach, frisky, cnnning Cumha, lamentation; also reward, or bribe Cuaille, a staff, or pole Culag, a collop, a piece of flesh Curta, fatigued, wearied, overcome Dàsanach, furious, fierce Dalma, impudent, forward Danghara, stuborn, resolute Daiseachan, a low witted, insipid poet Deabhaidh, a skirmish, battle, encounter Deoraidhe, a stranger, a guest Deoraidheachd, banishment, exile Dealaidh, keen, zealous, affectionate Deifireach, hasty, expeditious Discir, fierce, nimble, active Dioganta, cruel, aevengeful Diongach, able to match or overcome Dithreabh, solitary, remote from society Ditheadh, hoarded up, laid up concealed Dile, the earth, a deluge Diucadh, coming to, presenting one’s self Diuide, shy, tender-hearted, bashful Doiligh, forward, rash, impetuous Dorrdha, surly, austere, harsh Dolum, surly, morose, mean Doltrum, grief, vexation, anguish Do-cheannsaich, invincible Dobhar-chu, an otter Dorrda, rough, rugged Du, fit, proper, meet Durunta, rigid, severe, morose Durganta, surly, grim Dunmharbhach, a man-slayer Eagar, order, tenor appointment Eagnachd, wisdom, prudence Earlaid, expectation, dependence, [TD 595] [Taobh-duilleig 3 san leabhar fhèin] confidence Earrlinn, end, or limit of any thing Earmadh, arms Eachtranach, a foreigner, adventurer Eatlathach, undaunted, intrepid Earghnaidh, munificient, worthy, virtuous Eadarbhuaiseach, routing, discomfiting Earailteach, cautious, circumspect Ealdhanach, ingenious, alert Easguin, nimble, active, quick Eagmhaiseach, very great, famous Eisgeartha, insociable, bitter, scurrilous Eitidh, ugly, dismal, stormy Eileanachd, generosity, liberality Eineach, bounty, goodness Eirbheirt, moving, stirring about Eireachd, congregation Euchd, atchievement, feat, exploit Euradh, refusing, denying Falcag, a sea-fowl Faoghailt, chace, game, men that start the game Farranta, great, stout, generous Faimeachail, that surroundeth, or hemmeth in Fachaint, scoff, derision, ridicule Falair, funeral, entertainment Farbhalach, a stranger, a foreigner Farspag, a sea gull Fargradh, a report, rumour Faradh, a litter put in a boat Fathunn, rumour, news, report Farfhuadach, banishing, forcing away Faruisg, lees, dregs, mean born Fairsgin, viewing, espying Faoineadh, indulging, humouring Feardha, brave, manly, powerful Feart, a grave, or tomb Fearn, a shield Fiuthaidh, subject, matter Fiadhanta, fierce, cruel Fiughar, earnest expectation, hope Fiui, a hero, a brave man Flichne, sleet Flathmhaiseach, brave, heroic, princely Fò, no fògh, quiet, easy, unconcerned Foirneanta, stout, firm, steady Fortail, strong, hardy, patient Fosgarach, open, frank, free Fosadh, delaying, stoping Fotus, a flaw, a blemish Foghmhoireachd, sea robbery, piracy Friotach, fretful, angery, ill-natured Freachnamhach, careful, cautious Frinneasach, fretful, peevish Frithir, earnest, eager, servent Frioghail, sharp, keen, piercing Fuadarach, active, diligent Fuasnadh, astonishing, driving for ward Fuirbi, a strong, stout fellow Furbuirneach, a strong, stout fellow Fulmair, a St Kildian bird Furbhailteach, courteous, civil Gaine, a shaft Gaise, a flaw Gangaideach, crafty, sly, also mean, narrow Gantar, scarcity, hunger Garthmor, abounding with liberality Garran, a grove, forest, or thicket Geinnail, stout, firm, compact Giort, buttocks Glac, a quiver, also sword Glaigeis, loquacity, talkativeness Glor, speech, noise Goinlamhach, wounding with the hands Golghaireach, lamenting, or causing lamentation Graisneach, alarming Grast, ugly, hard favoured Greadanach, fighting, or dealing blows Gregh, a dog [TD 596] [Taobh-duilleig 4 san leabhar fhèin] Grimail, warlike, skilful Grinneasach, neat clean, elegant Griogchanach, blazing like stars Griongalach, industrious, careful Griosnamach, inimically hot Guaisbheartach, enterprizing, adventerous Guaismhor, dangerous, critical Gusmhor, valid, strong, powerful Guga, a St Kildian bird Iarguil, a skirmish, battle, strife Idnearach, happy, prosperous Imeasarganach, that striketh on all sides Imchubhaidh, fit, proper, becoming Imseach, revengeful Imshniomhach, solicitous, uneasy Inghreimeach, ravening, persecuting Iolachdach, disasterous, distructive Iogarnach, false, deceitful Iolbhuadhach, victorious, triumphant Ioghuthach, of various tongues Iolghonach, inflicting various wounds Iolghneach, heterogeneous Iomaithbhiorach, that checketh, or rebuketh Iomaithfhearach, that checketh or rebuketh Iomarbhaidh, a debate, controversy, also comparison Iomchan, behaviour, comportment Iomdheargach, reviling, reproaching Iomghonach, giving many wounds Iomluagail, wandering, straying Ionbhuadhach, victorious Ionnradhach, that destroying, or layeth waste Iordhalta, certain, constant Iriseach, just, judicious, equitable Làbanach, laborious, active Laisde, easy, in good circumstances Laoidheadh, exhorting, advising Laomsgiorra, great, prodigeous Lamhadh, daring, presuming Lapachas, a failing, mistake Leacanta, rigid, precise, stiff Leirg, a plain, the surface of the sea Leirs, knowledge, insight Liobhara, polished, neat, smooth Liosda, flow lingering stiff Loghmhor, excellent, famous Loinnearach, bright, shining Loisceanta, fiery, fierce, keen Lòn, an elk Lucharman, a dwarf, a pigmy Luidheachanach, one that lieth in ambush Lunnadh, to invade, or press upon Macnas, mirth, wantonness Masgul, flattery adulation Maistreadh, to churn, make butter Meaghlach, alarming Meaghlach, glad, joyful Meang, craft, deceit Mearganta, brisk, obstinate Meirghe, a banner Michuiseach, modest, unassuming Mileanta, brave, soldiery Miosgan, grudge, spite Mireag, sport, play, wantonness Mogur, soft, effeminate Moltach, praise-worthy Morghalach, great, proud, vainglorious Morurranta, very bold, daring, dauntless Mothar, a high sea, loud noise Muigeachd, surliness, churlishness Mùnadh, instruction, admonition Muran, a species of grass called bent Mùr, a wall, a fortified place Nàbuidh, a neighbour Nàile, name of a saint Nathairneimheach, venemous like a serpent Neimhneach, sore, painful, passionate Neoeisteanach, healthy, sound, spirited Neomheata, fearless, intimid [TD 597] [Taobh-duilleig 5 san leabhar fhèin] Neoiochdranach, not submissive, disobedient Niata, brave, valiant Nuadarra, four, sulky, angery Nualghuthach, howling, roaring Nuar, alas! Oineach, mercy, liberality Oirdheirc, excellent, famous Oilthreabhach, truely brave Oirfheadhnach, having excellent leaders Oirchiosach, charitable Oirnealta, neat, elegant Oirchilleach, bearing, carrying Oirail, meet, proper, fit Ol, said Ollabhar, a great army Onfhadhach, boisterous, tempestuous Onnchon, a standard, ensign Oradh, gilding Orbheartach, of noble deeds Orbhuadhach, nobly victorious Orloinneach, highly elegant, very becoming Oscach, eminent, superior Oscardha, renowned, famous Osnadhach, clamorous, energetic Osnadhach, groaning, sighing Painntireach, that ensnareth Peannaideach, that punisheth Peirseach, formed into regular ranks Peilghuineach, that tormenteth, or giveth pain Piollaisteach, that vexeth, disturbeth Piollach, hairy, also neat Pleasganach, that striketh, breaketh Plosgarnach, quick, bold Porneimheach, being radically venemous Prac, a kind of tax paid in the north of Scotland Pracais, idle talk, not to the purpose Praidhinneach, earnest, expeditious Praisbhallach, strong, brazen limbed Preabanach, kicking, stamping, spurning Preachanach, ravening, or ravenous Priomhurlamh, ready handed, first engaging Priobarrach, acting bravely, and quickly Prab, quick, nimble Prop, quick, nimble Prosda, strong, firm Pronntach, breaking to pieces Prosnadhach, exhorting, inciting Puinneanach, belabouring, beating Pùdhar, hurt, harm Ràpal, noise, bustle Reachdach, strong, stout, powerful Reimheach, arrogant, proud, haughty Reothart, spring-tide Reimail, bearing great away, constant Reumail, bearing great away, constant Riastrain, outrages, villany Riatach, illegitimate, foreign Ribach, rough, hairy Righfheinneach, a generalissimo Ringthach, tearing parting Ro-chrannaibh, the talest trees Rosgfhradharcach, sharp sighted Ruaimneach, strong, active Ruidigh, frisky, glad cheerful Ruisceanta, warlike, fighting Ruireachail, famous, renowned, celebrated Ruganta, strong, stout, tough Ruatharach, fighting, skirmishing smartly Saidh, prow of a ship Samhain, pleasure, delight Scanradh, dispersing, a surprise Sceilm, boasting, vain-glory Scrubaire, a scrub, a narrow fellow Screitidh, abhorrent Seagha, curious, ingenious [TD 598] [Taobh-duilleig 6 san leabhar fhèin] Seotant, lazy, indolent Seimhidh, mild, gentle, single Seunail, happy, prosperous Sgailceara, giving hard blows Sgabullach, carrying helmets Sgraing, a gloomy, contrasted appearance Siansach, harmonious, pleasant Sionn, here, in this place Sligheach, artful, sly Slisneach, chips Smeorne, point of a dart, or arrow Smuiseach, stirring up, moving Smuis, no smuais, marrow Snasachadh, to soften, affect Snotadh, to smell, suspect Sogh, prosperity, pleasure Soibheusach, well-bred Sonnta, courageous Soighne, pleasant, agreeable Spailp, pride, self-conceit Speala, a scythe, mowing-hook Speirid, strength, ability, liveliness Spealanta, acute, cutting Spiocach, narrow, mean, churlish Spuineach, that plundereth Sracaireachd, tearing away, extorting Sraoileadh, given to tear Srolbhratach, having colours of silk, or sattin Straonadh, to turn, stumble Starbhanach, stout, robust, steady Stacadh, to deafen Starn, an upstart Steornadh, to steer, manage, regulate Stoc, a trumpet, founding horn Strianach, a badger Stuaghghreannach, rough, gloomy, full of waves Suigeartach, joyful, glad Sulaire, a St Kildian bird Sunnailt, likeness, comparison Sunnghaothach, given to boast Tailceasach, that scorneth, disdaineth Tain, cattle Taistealach, a traveller, sojourner Taoghas, the grave Teallsanach, a philosopher Teamhair, pleasant, agreeable, mild Teireadh, a recommendation Teis, no seis, an air Teughmhaileach, contentious, quarrelsome Tionsgnamhach, devising, ploting Tiogaireach, fierce like a tiger Tinneanas, fits Tiunnal, match, likeness, comparison Tochdfheargach, that rageth silently Tochailleach, that rooteth out, extirpateth Toic, wealth, riches Toichmuirc; loving, affectionate Toichiosdalach, presuming, arrogant Todhar, bleaching, also manuring Toimhisail, judicious, sensible, sagacious Toma, na Tuama, a grave, tomb Tortail, tight, stout, respectful Tòrradh, burial, also heaping up Tostalach, presumptuous, arrogant Treabhair, a home-stall, homestead Treisail, strong, of great power Treunthoisgeach, brave, and expeditions Triolanta, trifling Triochad, thirty Trosg, a codfish; also a booby, a rustic Truaghmheilach, compassionate, pitiful Tuar, food, colour, appearance; also omen Tuiriosgach, that saweth, or heweth down [TD 599] [Taobh-duilleig 7 san leabhar fhèin] Tuinneasach, that bringeth, or causeth death Uaillfheartach, roaring, howling; of illustrious deeds Ucsa, the name given to the cuddie in its fourth year Ugan, the upper part of the breast Uigh, care, heed, attention Upairneach, that maketh a great bustle Upagach, that pusheth, or thursteth Urlaim, readiness, promptness Uirgioll, speech, eloquence Urchleasach, active, quick in performing feats Urchoideach, detrimental, hurtful Urlaimh, expert, ready-handed Urladh, front, countenance Urloisgeach, keen, zealous, fervent Urranta, bold, daring, dauntless Urspealach, that moweth, or cuteth down quickly ERRATA. page. line. 30 3 for uadar, read nadar. 33 14 for math, read mhath. 36 10 for a, read an. 56 3 for Marbhrann, read Mharbhrann. 57 8 for fhear, read fhearr. 57 12 for gu, read gun. 58 12 for aodananch, read aodanach. 59 13 for doìne, read daoine. 59 21 for gnothaicibh, read gnothaichibh. 61 7 for san, read sann. 64 10 for ch, read cha. 78 13 for uir, read air. 82 10 for chluitaich, read chliutaich. 106 11 for buinneadh, read buineadh. 107 7 for ann, read an. 109 6 for an, read ann. 109 9 for sunadh, read snuadh. 109 17 for san, read sann. 113 9 for finneadh, read sineadh. 125 12 for bhoideach, read bhoidheach. 128 17 for durachd, read dhurachd. 311 6 for biodh, read bhiodh. 311 16 for bhord, read bord. 315 10 for gradh, read grad. 351 2 for masrg, read mairg. 502 10 for cuinsearch, read cuinsear. 518 11 for na, read nach. 530 12 for meal, read mheal. 544 7 for fuighar, read fiugar. 545 1 for seaga, read seagha. 570 5 for reulan, read reidhlein.