[DA 1] SGEULACHDAN ARABIANACH. DIVISION III. [DA 2] [Bàn] [DA 3] Sgeulachdan Arabianach. TALES FROM THE ARABIAN NIGHTS TRANSLATED INTO GAELIC FROM THE ENGLISH EXPURGATED EDITION. DIVISION III. PRICE ONE SHILLING. INVERNESS: “NORTHERN CHRONICLE” OFFICE. EDINBURGH: NORMAN MACLEOD, 25 GEORGE IV. BRIDGE. 1900. [DA 4] [Bàn] [TD 1] SGEULACHDAN ARABIANACH. SINDBAD AN SEOLADAIR. CAIB. VII. AN la-iar-na-mhaireach aig an am ainmichte, thainig na h-aoidhean do ’n taigh aig Sindbad mar a dh’ iarr e orra, agus bha ’m portair ’nam measg. Ghabh iad an dinnear air an socair fhein, agus bha iad gu caoimhneil, cairdeil, comhraiteach mar bu ghnath leotha. An uair a bha ’n dinnear seachad, thoisich Sindbad ri innseadh mar a thachair dha air a’ cheathramh turus a chaidh e sheoladh. Ged a bha iomadh toil-inntinn agus aobhar-aoibhneis agam aig an taigh, ars’ esan, gidheadh cha robh mi fada ’fas sgith dhiubh. Dh’ eirich miann laidir ’nam inntinn gu falbh a dh’ fhaicinn tuilleadh dhe ’n t-saoghal, agus a reic ’s a cheannach—an obair anns an do chuir mi uigh. Chuir mi mo ghnothaichean air doigh cho math ’s a b’ aithne dhomh, agus an uair a fhuair mi deas gach seorsa bathair a bha mi gus a thoirt leam, dh’ fhalbh mi air mo thurus. Ghabh mi rathad Phersia, agus chaidh mi troimh chaochladh earrannan dhe ’n rioghachd sin. Mu dheireadh an uair a rainig mi baile-puirt araidh, chaidh mi air [TD 2] bord luinge maille ri marsantan eile a bha ’falbh do rioghachdan fad as, mar a bha mi fhein. Sheol sinn, agus an deigh dhuinn taghal ann an caochladh bhailtean-puirt a bha ri cois a’ chladaich, agus ann an iomadh aon dhe na h-eileanan, thug sinn ar n-aghaidh air a’ chuan mhor. Cha deachaidh sinn gle fhad air ar n-aghaidh an uair a thainig stoirm uamhasach oirnn. B’ fheudar do ’n sgiobair ordugh a thoirt seachad na siuil a ghrad phasgadh; agus ghnathaich e a h-uile doigh a b’ urrainn e a chum ar sabhaladh o ’n chunnart mhor anns an robh sinn. Ach a dh’ aindeoin na rinn e, cha robh e ’n comas dha ’n long ’s na bh’ air bord innte a shabhaladh. Bha ’n stoirm cho laidir ’s nach d’ fhag i seol no slat ri crann. Mu dheireadh bhristeadh an long air na creagan; bhathadh an aireamh bu mho dhe na seoladairean ’s dhe na marsantan, agus chailleadh am bathar a bh’ air bord gu leir. Gu fortanach thachair dhomhsa agus do chuid eile dhe na marsantan, greim fhaotainn air cliathan dhe ’n luing. Ghreimich sinn ris gu math, ged a bha na tonnan uaibhreach a’ sior bhristeadh thairis oirnn gun stad, gus an d’ thug an sruth ’s a’ ghaoth sinn a dh’ ionnsuidh eilean a bha astar math uainn. An uair a rainig sinn an t-eilean ’s a chaidh sinn air tir, fhuair sinn measan agus uisge gu leor ann. Stad sinn fad na h-oidhche faisge air an aite anns an deachaidh sinn air tir, agus o ’n a bha sinn air ar misneach a chall gu mor, cha do smaoinich sinn ciod bu choir dhuinn a dheanamh an uair a thigeadh a’ mhadainn. An uair a thainig a’ mhadainn ’s a dh’ eirich a’ ghrian, choisich sinn suas o ’n chladach, agus ghabh sinn air ar n-aghaidh troimh ’n eilean. Chunnaic sinn taighean fada uainn, agus ghabh sinn direach far an robh iad. Cha bu luaithe a rainig sinn na taighean, na bha sinn air ar [TD 3] cuartachadh le aireamh mhor de dhaoine dubha. Rug iad oirnn, agus roinn iad eatorra sinn, agus thug iad leotha dhachaidh sinn do ’n taighean fhein. Thug iad mise agus coignear de m’ chompanaich air falbh a dh’ aon aite. Thug iad oirnn suidhe, agus thug iad dhuinn luibh araidh, agus ged nach robh sinn comasach air an cainnt a thuigsinn, dh’ aithnich sinn gu’n robh iad ag iarraidh oirnn na luibhean ’itheadh. Cha d’ thug mo chompanaich an aire nach robh na daoine dubha fhein ag itheadh nan luibhean idir, agus o ’n a bha ’n t-acras orra, thoisich iad ri ’n itheadh le ciocras. Ach o ’n a ghabh mise amhrus gu’n robh an t-olc fa near dha na daoine dubha, cha do bhlais mi air na luibhean, agus bu mhath dhomh nach do bhlais; oir ann an uine ghoirid thug mi an aire gu’n robh mo chompanaich a’ call am mothachaidh, agus ged a bha iad a’ bruidhinn, nach robh fhios aca ciod a bha iad ag radh. ’Na dheigh sin thug iad dhuinn rus air a dheasachadh le olla na cno-choco. O ’n a chaill mo chompanaich am mothachadh, dh’ ith iad am biadh so le ciocras. Dh’ ith mise beagan dheth mar an ceudna. Thug na daoine dubha dhuinn na luibhean an toiseach, a chum ar mothachadh a thoirt uainn, air dhoigh ’s nach biodh fhios againn air a’ chrich mhuladaich a bha iad gus a chur oirnn; agus an sin thug iad dhuinn an rus gus ar deanamh reamhar; oir bha iad gus ar marbhadh ’s ar n-itheadh cho luath ’s a bhiomaid reamhar gu leor. An uair a bha mo chompanaich reamhar gu leor dh’ ith iad iad. Ach o ’n a bha mo thur agamsa, faodaidh sibh a thuigsinn, a dhaoin’ uaisle, an aite fas reamhar mar a dh’ fhas cach, gur ann a bha mi ’fas na bu chaoile a h-uile latha. O ’n a bha eagal mo bheatha orm a h-uile mionaid, cha robh am biadh a’ deanamh feum sam bith dhomh. Bha mi sior dhol as a h-uile latha, agus bha [TD 4] feum agam air sin; oir an deigh do na daoine dubha mo chompanaich itheadh, cha do chuir iad dragh sam bith ormsa o nach robh mi reamhar gu leor. Anns an am bha moran dhe mo thoil fhein agam; oir is gann a bha iad a’ gabhail suim sam bith dhiom. Thug so dhomh cothrom latha araidh air a dhol cho fad o na taighean aca ’s gu’n d’ fhuair mi teicheadh air falbh gun fhios dhaibh. Ach chunnaic seann duine mi, agus ghabh e amhrus gur ann a’ teicheadh a bha mi. Ghlaodh e as mo dheigh cho ard ’s a’ b’ urrainn da; ach an aite stad, is ann a ghreas mi orm cho luath ’s a b’ urrainn domh, agus ann an uine ghoirid bha mi as a shealladh. Aig an am cha robh duine mu ’n aite ach an seann duine. Bha cach, mar bu ghnath leotha, air falbh air astar fada o na taighean, agus bha fhios agam nach tilleadh iad dhachaidh gu feasgar anamoch. Air an aobhar sin, bha mi cinnteach nach biodh uine aca, an deigh dhaibh tilleadh dhachaidh, gu falbh air mo thoir. Ghabh mi romham gus an d’ thainig an oidhche. An uair a dh’ fhas i cho dorcha ’s nach bu leur dhomh co ’n taobh a ghabhainn, stad mi, agus ghabh mi beagan dhe ’n bhiadh a thug mi leam. Ach cho luath ’s a shoilleirich an latha, ghabh mi air agharrt cho cabhagach ’s a’ b’ urrainn domh. Lean mi air coiseachd fad seachdain; agus bha mi ’seachnadh gach aite anns an saoilinn an robh daoine. Cha robh de bhiadh agam fad na h-uine ach na cnothan coco. Air an ochdamh latha thainig mi ann an sealladh na mara, agus chunnaic mi daoine geala, mar a bha mi fhein, agus iad a’ cruinneachadh pepeir; oir bha pailteas dheth anns an aite. Thog mo chridhe riutha, agus ghabh mi direach far an robh iad. Cha bu luaithe a thug iad an aire dhomh na thainig iad ’nam choinneamh. Dh’ fheoraich iad dhiom anns a’ cheart chainnt a bh’ agam fhein, co mi, agus co as a [TD 5] thainig mi. Bha aoibhneas anabarrach orm an uair a chuala mi iad a’ labhairt rium ’nam chainnt fhein. Dh’ innis mi dhaibh mar a chaidh an long a bhristeadh, agus mar a fhuair na daoine dubh greim orm. “Tha na daoine dubha sin,” ars’ iadsan, “ag itheadh nan daoine, agus cia mar a fhuair thusa as an lamhan?” Dh’ innis mi daibh a’ cheart naigheachd a dh’ innis mi dhuibh fhein, agus an uair a chual’ iad i, bha ioghnadh gu leor orra. Stad mi comhladh riutha gus an do chruinnich iad na bha dhith orra dhe ’n pheper, agus sheol mi comhladh riutha do ’n eilean as an d’ thainig iad. Thug iad an lathair an righ mi. Bha ’n righ ’na dhuine coir, meineil, agus dh’ eisd e gu foighidneach rium fhad ’s a bha mi ’g innseadh dha a h-uile car mar a thachair dhomh o ’n a dh’ fhalbh mi o ’n taigh. Thug e aodach dhomh, agus dh’ ordaich e curam a ghabhail diom. Bha moran sluaigh anns an eilean, agus bha pailteas dhe gach ni ann. Bha moran malairt ’g a dheanamh anns a’ cheanna-bhaile. Bha mi gle thoilichte faotainn dha leithid a dh’ aite an deigh a’ mi-fhortain a thainig ’nam rathad; agus o ’n a bha ’n righ cho fior chaoimhneil rium, bha mi ’g am fhaireachadh fhein cho sona ’s a bha ’n latha cho fad. A dh’ aon fhacal, is mi duine cho mor air an robh de mheas aig an righ ’sa bh’ anns an rioghachd. Agus air an aobhar sin, bha h-uile duine a b’ fhearr na cheile a bh’ anns a’ chuirt agus anns a’ bhaile a’ feuchainn ri comain a chur orm. Ann an uine ghoirid bha sluagh an aite ag amharc orm mar aon dhuibh fhein. Chunnaic mi aon ni a chuir moran ioghnaidh orm, agus b’ e sin, nach robh srian no diollaid aig an righ, no aig duine eile, an uair a bhiodh iad a’ marcachd. Air latha araidh ’s mi ann an cuideachd an righ, ghabh mi de dhanadas bruidhinn ris m’ a dheidhinn so. Thuirt e rium [TD 6] gu’n robh mi ’bruidhinn mu nithean air nach cuala duine a bh’ anns an rioghachd iomradh riamh. Gun dail sam bith chaidh mi far an robh fear-ceairde agus dh’ innis mi dha mar a dheanadh e stoc diollaid. An uair a bha ’n stoc deiseil aige, chomhdaich mi e le leathar agus le bhelbhet, agus dh’ fhuaigh mi an diollaid le snath oir. ’N a dheigh sin chaidh mi far an robh an gobha, agus dh’ innis mi dha mar a dheanadh e mirionach agus stirrapun. An uair a bha gach ni deiseil, agus a thug mi an diollaid agus an t-srian a dh’ ionnsuidh an righ, chuir mi an t-each fo lan uidheam dha. An uair a chaidh an righ a mharcachd bha e anabarrach toilichte leis an obair a rinn mi. Thug e dhomh tiodhlacan a bha anabarrach luachmhor. B’ fheudar dhomh diollaidean a dheanamh do mhaithean na cuirte, agus do cheannardan an airm mar an ceudna. Phaigh iad so uile mi gle mhath air son mo shaoithreach. An uair a chunnaic uaislean na duthchadh na diollaidean, thainig cuid dhiubh far an robh mi, agus gus an toileachadh, rinn mi diollaidean dhaibh mar an ceudna. Choisinn an obair so cliu agus meas mor dhomh. CAIB. VIII. BHA mi gu math tric a’ dol a bhruidhinn ris an righ. Air latha araidh thuirt e rium, “A Shindbad, tha tlachd mor agam dhiot; agus tha mi ’tuigsinn gu’m bheil meas aig an t-sluagh ort mar an ceudna. Tha mi ’dol a dh’ iarraidh aon ni ort, agus tha mi ’n dochas gu’n dean thu mar a dh’ iarras mi ort.” “Le ’r cead, a’ righ,” arsa mise, “ni mise ni sam bith a dh’ iarras sibh orm, mar chomharradh air m’ umhlachd dhuibh, o ’n a tha mi gu buileach fo ar riaghladh.” [TD 7] Cha bu dana leam cur an aghaidh toil an righ. Air a chomhairle phos mi aon de mhnathan-uaisle na cuirte. Bha i ’na boirionnach a bha anabarrach, maiseach, cliuiteach, agus bha saoibhreas gu leor aice. An deigh dhuinn posadh, chaidh mi dh’ fhuireach do ’n taigh a bh’ aice agus bha sinn car uine gle mheasail air a cheile. Ach feumaidh mi radh nach robh mi cho riaraichte le mo staid ’s bu mhath leam, agus air an aobhar sin chuir mi romham gu’n teichinn agus gu’n tillinn gu ruige Bagdad a’ cheud chothrom a gheibhinn. Ged a bha mi math gu leor dheth far an robh mi, cha robh e ’n comas dhomh an duthaich do ’m buininn a leigeadh air dichuimhn. An uair a bha mi ’smaointean air so, dh’ fhas bean mo choimhearsnaich gle thinn, agus an uine ghoirid dh’ eug i. Bha meas mor agam air a’ choimhearsnach so, agus chaidh mi g’ a fhaicinn a chum comhfhurtachd a thoirt dha an am a’ bhroin. Bha e anabarrach bronach, agus cho luath ’s a chunnaic mi e, thuirt mi, “Gu’n gleidheadh Dia thu, agus gu’n tugadh e dhut saoghal fada.” “Ochan!” ars’ esan, “cia mar a tha thu ’smaointean gu’m faigh mise am fabhar a tha thu ’guidhe dhomh? Cha ’n ’eil bhar uair de shaoghal agam.” “Tha mi ’guidhe ort nach bi thu ’g arach a leithid sin de smaointeanan muladach na ’s fhaide. Tha dochas agam nach tachair dhut mar a tha thu ’g radh, ach gur ann a bhios mi fhein ’s tu fhein ann an coimhearsnachd a cheile fad iomadh bliadhna,” arsa mise. “Is e mo mhiann,” ars’ esan, “gu’m faigheadh tusa saoghal fada; ach air mo shonsa dheth, tha mo laithean aig an ceann, oir feumar mo thiodhlacadh an diugh fhein comhladh ris a’ mhnaoi. Is e so an lagh a shuidhich ar n-athraichean anns an eilean so, agus bha e riamh air a choimhead gu curamach. Feumar am fear a thiodhlacadh comhladh ris a’ mhnaoi an uair a gheibh i bas, agus [TD 8] feumar a bhean a thiodhlacadh comhladh ris an fhear an uair a gheibh e bas. Cha ’n ’eil rathad agam air a dhol as; oir feumaidh na h-uile ’bhith umhail do ’n lagh so.” Am feadh ’s a bha e ’toirt cunntais dhomh air a’ chleachdadh bhruideil so a bha ’cur eagail agus uamhais air, thainig na cairdean, an luchd-eolais, agus na coimhearsnaich thun an taighe gus an tiodhlacadh a dheanamh. Chuir iad an trusgan a b’ fhearr ’s bu riomhaiche a bh’ anns an taigh mu ’n bhoirionnach, mar gu’m b’ e latha na bainnse aice a bhiodh ann. Chuir iad a cuid sheudan gu leir oirre, agus an uair a chuir iad ann an ciste fhosgailte i, dh’ fhalbh iad leatha dh’ ionnsuidh an ait’ adhlacaidh. Bha a fear a’ coiseachd air cheann na cuideachd agus a’ leantuinn a’ chuirp. Dhirich iad suas gu mullach beinne a bha gle ard, agus an uair a rainig iad e, thog iad clach mhor a bha comhdachadh beul sluic, agus leig iad sios an corp le a chuid aodaich agus sheudan. An uair a ghabh a fear a chead dhe ’chairdean ’s dhe luchd-daimh, chuireadh ann an ciste fhosgailte e mar an ceudna, agus chuireadh soitheach uisge agus seachd breacagan arain anns a’ chiste comhladh ris, agus leigeadh sios anns an t-sloc e mar a rinneadh air a mhnaoi. Bha ’bheinn fada, agus bha i ruighinn a dh’ ionnsuidh na mara. An uair a bha h-uile cuis seachad chuireadh a’ chlach air beul an t-sluic agus thill sinn dhachaidh. Is gann a ruigeas mi leas, a dhaoin’ uaisle, innseadh dhuibh gur mi fhein an aon duine a bha fo lionn-dubh dhe na bh’ aig an tiodhlacadh. Cha robh a’ chuis a bh’ ann a’ cur moran dragha air each, oir bha iad cleachdte ris. Cha b’ urrainn domh gun bruidhinn ris an righ mu ’n chuis. “Le ’r cead, a righ,” thuirt mi ris, “cha ’n urrainn domh gun bhith fo mhor ioghnadh air son a’ chleachdaidh a th’ agaibh anns an rioghachd so an uair a tha sibh a’ tiodhlacadh nam beo comhladh ris na mairbh. Shiubhail [TD 9] mi fad is farsuinn, agus chunnaic mi iomadh duthaich, ach cha chuala mi riamh iomradh air lagh cho eucorach ris an lagh so.” “Ciod a tha thu ’ciallachadh, a Shindbaid?” ars’ an righ. “Is e lagh cumanta ’th’ ann. Bidh mise air mo thiodhlacadh comhladh ri mo mhnaoi fhein, ma ’s i a gheibh bas an toiseach.” “Ach le ’r cead,” arsa mise, “am faod mi fhaighneachd dhibh am feum coigrich a bhith striochte ris an lagh so?” “Gun teagamh sam bith,” ars’ an righ (’s fiamh gaire tighinn air an uair a chual’ e mo cheisd)’ “cha ’n ’eil dol as aca ma ’s anns an eilean so a phosas iad.” Chaidh mi dhachaidh, agus mulad gu leor orm an deigh na chunnaic ’s na chuala mi; oir bha eagal mor orm gu’m faigheadh mo bhean bas air thoiseach orm fhein, agus gu’n rachadh mo thiodhlacadh maille rithe. Ach cha robh comas air. Dh’ fheumainn foighidinn a bhith agam, agus a bhith umhail do thoil Dhe. Nam faicinn coltas an tinneis bu lugha tighinn air mo mhnaoi, bha mi ’dol air chrith ’leis an eagal. Ach mo thruaighe! fhuair mi aobhar eagail ann an uine ghoirid; oir dh’ fhas mo bhean gle thinn, agus ann am beagan laithean, dh’ eug i. Faodaidh sibh a thuigsinn gu’n robh mi gle mhuladach; oir bha mi ’smaointean gu’m bu cho math dhomh a bhith air m’ itheadh leis na daoine fiadhaich ri bhith air mo thiodhlacadh beo. Ach b’ fheudar dhomh striochdadh. Thainig an righ, uaislean na cuirte, agus ard-mhaithean na rioghachd a dh’ ionnsuidh an tiodhlacaidh; oir bha moran de shluagh a’ bhaile ann mar an ceudna. An uair a bha gach ni deas, chuireadh corp na mna ann ciste fhosgailte an deigh dhaibh a chomhdachadh leis an trusgan a b’ fhearr a bh’ aice, agus leis na seudan bu luachmhoire a bhuineadh dhi. Dh’ fhalbh an comhlan, agus bha mise coiseachd an deigh a’ chuirp agus mi ’caoidh gu trom ’s a’ sileadh dheur gu frasach. [TD 10] An uair a rainig sinn mullach na beinne dh’ fheuch mi ri impidh a chur air na daoine gus mo leigeadh as. Bhruidhinn mi an toiseach ris an righ, agus ’na dheigh sin ris na daoin’ eile a bha mu’n cuairt orm. Leig mi mi-fhein ’n am shineadh air an talamh aig an casan, agus ghuidh mi orra gu durachdach truas a ghabhail dhiom. “Thugaibh fa near,” arsa mise, “gur coigreach mi, agus nach bu choir gu’m bithinn air mo chur fo ’n lagh chruaidh so. Agus a bharrachd air sin, tha bean is clann agam ’nam dhuthaich fhein.” Ach cha robh feum sam bith dhomh a bhith bruidhinn riutha. Cha robh truas sam bith aca rium. An aite sin is ann a bha cabhag orra a’ leigeadh sios corp mo mhna do ’n t-sloc. Ghrad chuir iad mise ann an ciste fhosgailte, agus an uair a chuir iad soitheach uisge agus seachd arain anns a’ chiste comhladh rium, leig iad sios do ’n t-sloc mi, agus chuir iad a’ chlach air a bheul, a dh’ aindeoin na bha mi ’deanamh de chaoidh ’s de bhron ’s de ghlaodhaich. An uair a rainig mi grunnd an t-sluic thug mi ’n aire, le cuideachadh beagan soluis a bha ’tighinn orm o tholl beag a bha as mo chionn, gu’n robh farsuinneachd mhor ann, agus gu’n robh e mu leith cheud aitheamh air doimhneachd. Anns a’ mhionaid dh’ fhairich mi faileadh breun a bha ’n impis mo thachdadh. Bha ’m faileadh so a’ eirigh as na cuirp mharbha a bha mu’n cuairt orm. Ar leam gu’n robh mi ’cluinntinn cuid dhiubh ag osnaich, agus a’ tilgeadh na h-analach. Ach air shon sin, cha bu luaithe ’rainig mi sios na ghrad dh’ fhalbh mi as a’ chiste ’s mo lamh mu m’ shroin; agus an uair a choisich mi astar beag o ’n aite ’s an robh na cuirp, leig mi mi-fhein ’nam shineadh, agus bha mi uine fhad’ ann a’ gul ’s a’ caoidh gu goirt. An uair a bha mi greis a’ smaointean air cho truagh ’s a bha mo chor, thuirt mi:—“Tha e fior gu’m bheil Dia a’ [TD 11] riaghladh gach ni a reir orduighean a fhreasdail; ach thusa, ’Shinbaid thruaigh, nach ann agad fhein a bha ’choire gu’n d’ thainig tu gu bhith ’faighinn a’ bhais anns an doigh iongantaich so? B’ fhearr gu’n robh thu air bas fhaotainn ann an aon dhe na cunnairt anns an robh thu! Cha bhiodh do bhas cho fadalach ’s cho uamhasach ’s a tha e nis air thuar a bhith. Ach thug thu so ort fhein leis an t-sannt mhollaichte a bha annad. Ah! a chreutair thruaigh, mhifhortanaich nach b’ fhearr dhut gu mor a bhith air fuireach aig an taigh, agus a bhith gu socair, samhach a’ mealtuinn toradh do shaoithreach?” So na gearainean gun fheum leis an cluinnteadh mo ghuth o thaobh gu taobh dhe ’n uaimhe. Bha mi ’bualadh mo chinn is m’ uchd gun stad ’s mi ann an corruich ’s an eu-dochas ro mhor, agus thug mi mi-fhein suas gu buileach do smaointeanan bronach. Ach air a shon sin gu leir, feumaidh mi innseadh dhuibh, an aite bhith toileach am bas fhaotainn anns an t-suidheachadh thruagh ’s an robh mi, gu’m b’ e mo mhiann a bhith beo, agus gach ni ’nam chomas a dheanamh a chum fad a chur ri m’ laithean. Bha mi ’g ealadh air mo shocair ’s mo lamh ri m’ shroin feuch am faighinn an t-aran agus an t-uisge a chuireadh anns a’ chiste dhomh. Agus an uair a fhuair mi e dh’ ith mi rud dheth. Ged a bha ’n uaigh dubh, dorcha, bha mi ’n comhnuidh ag amas air a’ chiste. Agus thuig mi gu’n robh an uaigh gu math na b’ fharsuinne na bha mi ’n toiseach an duil. Chum an t-aran ’s an t-uisge beo mi fad beagan laithean. An uair a theirig iad, shaoil mi nach robh romham ach am bas. [TD 12] CAIB. IX. AN uair a bha mi ’smaointean gu’n robh am bas dluth dhomh, chuala mi bhith ’togail na cloiche bhar beul na h-uamha, agus anns a’ mhionaid leigeadh sios corp firionnaich. An uair a bhios daoine ’nan eiginn, tha e nadarra gu leor dhaibh oidhirp a thoirt air nithean a dheanamh nach ’eil aon chuid ceart no cothromach. An uair a leigeadh sios a’ bhean, chaidh mi far an robh a’ chiste anns an robh i, agus cho luath ’s a thug mi an aire gu’n do chuireadh a’ chlach air beul an tuill, thug mi a dha no tri de bhuillean matha do ’n truaghan bhochd anns a’ cheann le cnaimh mor a thachair a bhith faisge air mo laimh, agus grad mharbh mi i. Rinn mi an gniomh cruaidh chridheach so a chum gu’m faighinn greim air an aran ’s air an uisge a bh’ anns a’ chiste maille rithe, agus mar so bha agam de bhiadh na chum beo mi fad beagan laithean. Mu’n am ’s an do theirig am biadh so dhomh, leigeadh sios boirionnach marbh agus firionnach beo. Mharbh mi esan mar an ceudna. Gu fortanach dhomhsa, bha moran a’ basachadh anns a bhaile aig an am, agus bha mi ’faotainn de bhiadh air an saillibh na bha ’gam chumail beo. Air latha araidh chuala mi coiseachd is seideil faisge orm. Ghabh mi far an robh mi ’cluinntinn fuaim na coiseachd; ach an uair a thainig mi dluth do ’n chreutair a bh’ ann, theich e air falbh ’s e seideil na bu chruaidhe na bha e riamh. Lean mi e cho math ’s a leigeadh an dorcha leam. Stadadh e an drasta ’s a rithist; ach an uair a dh’ fhairicheadh e mi ’tighinn dluth dha, theicheadh e air falbh. Bha mi ’g a shior leantuinn gus mu dheireadh an d’ thug mi an aire do runnag sholuis. Rinn mi direach air an t-solus. Uair a bhiodh e ’nam shealladh, agus uair nach bitheadh. Mu dheireadh an uair a thainig mi dluth [TD 13] dha, rinn mi ’mach gur ann troimh tholl a bh’ anns a chreig a’ bha e ’tighinn. Bha ’n toll cho mor ’s gu’n rachadh duine ’mach troimhe socair gu leor. Stad mi aig beul an tuill a leigeadh m’ analach, oir bha mi air mo chlaoidh gu mor. ’Na dheigh sin chaidh mi ’mach air an toll, agus ciod a b’ iongantaiche leam na mi fhein ’fhaotainn air bruaich a’ chladaich. Bha aoibhneas do-labhairt orm. Is gann gu’m b’ urrainn mi a chreidsinn nach e bruadar a bha mi ’faicinn. Ach an uair a thug mi cuisean fa near, agus a dh’ aithnich mi gu’n robh mi saor o ’n chunnart anns an robh mi, thuig mi gur e an creutair a bha mi ’leantuinn, creutair a bha ’tighinn as a’ chuan, agus a bha ’dol a steach do ’n toll a dh’ itheadh cuirp nan daoine marbha. An uair a ghabh mi beachd air a’ bheinn, thuig mi gu’n robh i eadar a mhuir agus am baile. Bha ’n cladach cho cas mor-thimchioll orm ’s nach robh e ’n comas dhomh air chor sam bith faighinn as an aite ’s an robh mi. Leig mi mi-fhein air mo ghluinean far an robh mi, agus thug mi taing do Dhia air son a throcair. ’Na dheigh sin thill mi steach do ’n toll a dh’ iarraidh an arain ’s an uisge a dh’ fhag mi ann. Dh’ ith mi biadh le barrachd toil agus tlachd na rinn mi o ’n latha ’chuireadh anns an t-slochd mi. Thill mi rithist a steach do ’n t-slochd, agus ged nach robh runnag sholuis agam, chruinnich mi am meag nan cisteachan-laidhe moran do dhaoimein ’s de sheudan ’s de chlachan-luachmhor ’s de gach ni eile bu luachmhoire na cheile a thachair rium. Phaisg mi na nithean so gu curamach ann an aodach a fhuair mi am measg nan corp, agus cheangail mi iad gu teann, cruaidh leis na cuird leis am biodh iad a’ leigeadh sios nan cisteachan do ’n t-slochd. Chuir mi iad air bruaich a’ chladaich, agus bha mi ’feitheamh feuch an tigeadh long an rathad a bheireadh air falbh mi. [TD 14] An ceann da latha chunnaic mi long a’ ’tighinn am mach as an acarsaid. O ’n a bha ’n soirbheas car ’nan aghaidh, b’ eiginn dhaibh a bhith beiteadh. Uair dhe na h-uairean thainig iad cho dluth air an aite anns an robh mi ’s gu’n do mhothaich iad dhomh a’ glaodhaich ’s a’ smeideadh orra. Ghrad chuir an sgiobair bata ’g am iarraidh. Thuirt mi ri sgiobadh a’ bhata gu’n do bhristeadh an long air an robh mi beagan laithean roimhe sid, agus gu’n deachaidh agam air mi fhein agus am bathar a shabhaladh. Gu fortanach cha do chuir iad teagamh sam bith anns na thuirt mi riutha; agus gun dail sam bith thug iad gu bord na luinge mi. An uair a chaidh mi air bord, bha ’n sgiobair gle thoilichte gu’n do shabhail e mi; agus o ’n a bha ’inntinn suidhichte air a ghnothaichean fhein, cha do chuir e teagamh nach robh na dh’ innis mi dha na seoladairean agus dha fhein fior gu leor. Ged a thairg mi dha cuid dhe na seudan a bh’ agam, cha ghabhadh e iad. Sheol sinn seachad air caochladh eileanan. Is e Eilean nan Glag a theirear ri fear dhe na h-eileanan so. Tha e mu astar deich laithean seolaidh o Cheidhlon, agus mu astar shia laithean o Chalabar, far an deachaidh sinn air tir. Tha mein luaidhe, craobhan siucair, agus camfor anns an aite so. Tha righ Chalabair ’na righ saoibhir, cumhachdach, agus tha Eilean nan Glag fo ’riaghladh. Tha ’n luchd-aiteachaidh ’nan sluaigh anabarrach fiadhaich, agus bidh iad ag itheadh nan daoine. An uair a rinn sinn reic is ceannach anns an eilean so, sheol sinn, agus thaghail sinn ann an caochladh bhailtean-puirt eile. Mu dheireadh rainig mi Bagdad agus saoibhreas anabarrach mor agam. Cha ruig mi leas mion-chunntas a thoirt dhuibh m’ a dheidhinn. [TD 15] Mar chomharradh air mo thaingealachd do Dhia air son a throcairean, thug mi earrann mhath dhe m’ mhaoin seachad a chum na bochdan a bheathachadh, agus taighean-aoraidh a chumail suas; agus bha mi ’cur seachad na h-uine le subhachas maille ri m’ theaghlach agus am measg mo chairdean. An uair a chuir Sindbad crioch air eachdraidh a’ cheathramh turuis a ghabh e, dh’ aidich a’ cuideachd gu leir gur i a b’ iongantaiche gu mor na eachdraidh na’n tri tursan eile. Thug e ceud bonn oir do Hindbad, agus dh’ iarr e air tighinn an la-iar-na-mhaireach aig an uair ghnathaichte gus a dhinneir a ghabhail comhladh ris, a chum gu’n innseadh e mar a thachair dha air a choigeamh turus a dh’ fhalbh e sheoladh. Ghabh Hindbad agus na h-aoidhean eile an cead dheth, agus dh’ fhalbh iad. Air an ath latha thainig iad aig am na dinneireach, agus an uair a bha ’n dinnear seachad, thoisich Sindbad ri cunntas a thoirt dhaibh air mar a thachair dha air a’ choigeamh turus a dh’ fhalbh e sheoladh:— Chuir gach solas agus toil-inntinn a bha mi ’mealtuinn as mo chuimhne moran dhe na trioblaidean agus dhe ’n mhi-fhortan troimh ’n deachaidh mi, agus mar sin, bha mi cho toileach ’s a bha mi riamh gu falbh a rithist a sheoladh. Cheannaich mi bathar gu leor, agus an uair a chuireadh air doigh e, dh’ fhalbh mi leis do ’n bhaile-puirt bu deise dhomh; agus smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh long a bhith agam dhomh fhein a chum nach bithinn ann an eiseiomail sgiobair sam bith. Dh’ fhan mi anns a’ bhaile gus an do thogadh long mhor dhomh. An uair a bha i deiseil, chuir mi na bh’ agam de bhadhar air bord innte; ach o nach robh agam na luchdaicheadh i, leig mi le marsantan eile an cuid badhair a chur air bord, agus falbh comhladh rium. [TD 16] An uair a sheol sinn, fhuair sinn soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarramaid. An deigh dhuinn a bhith uine mhath a’ seoladh, chaidh sinn air tir ann an eilean fasail far an d’ fhuair sinn ugh roc a bha cheart cho mor ris an ugh air d’ thug mi iomradh roimhe. Bha isean ann, agus bha e deas gu tighinn as an ugh; oir bha o ’n deis toll a thoirt air an t-slige le ’ghob. Bha na marsantan a dh’ fhalbh comhladh rium anns an luing air tir ’s an eilean mar an ceudna; agus an uair a chunnaic iad an t-isean air thuar tighinn as an ugh, bhrist iad an t-ugh le tuadhannan; thug iad as an t-isean ’na phiosan, agus rost is dh’ ith iad e. Ged a ghuidh mi gu durachdach orra gun ghnothach a ghabhail ris an ugh, cha tugadh iad cluas no geill dhomh. Mu ’n gann a chuir iad crioch air an fheisd, chunnaic sinn da roc a’ tighinn an rathad a bha sinn, agus bha iad a’ cur dubhair air an iarmailt mar gu’m biodh da neul mhora ann. Thuig an sgiobair a bh’ agam air an luing gle mhath gu’m b’ ann leis an da roc so a bha ’n t-ugh a chaidh a bhristeadh, agus gu’n robh sinn ann an cunnart, ar beatha chall mur grad theicheamaid, agus ghlaodh e ruinn sinn a dhol air ais gu bord cho cabhagach ’s a rinn sinn riamh. Rinn sinn so; agus gun dail sam bith chuireadh an long fo a lan-aodach, agus sheol sinn air falbh. Anns a’ cheart am rainig an da roc far an robh an t-ugh, agus an uair a chunnaic iad mar a bha, thoisich iad ri glaodhaich gu h-uamhasach. O ’n a bha iad toileach dioghaltas a dheanamh oirnn, thill iad an taobh as an d’ thainig iad. Car uine chaill sinn sealladh orra. Thuig an sgiobair gu math ciod a bha ’nam beachd a dheanamh, agus dh’ ordaich e tuilleadh sheol a chur ris an luing, a chum, na ’m bu chomasach e, gu’n rachamaid as o ’n chunnart anns an robh sinn. [TD 17] An uine gun bhith fada thill an da roc, agus creag mhor anns an robh cunntas thunnachan de chudam aig gach te dhiubh ’na cruidhean. An uair a thainig iad os cionn na luinge, thoisich iad ri itealaich gu socrach, agus leig te dhiubh as a’ chlach a bh’ aice; ach chuir an stiuireamaiche beum air an stiuir anns an am, agus thuit a’ chlach anns a’ mhuir ri cliathach na luinge. Leis an toll a rinn i anns a’ mhuir, cha mor nach fhaca sinn an grunnd. Gu mi-fhortanach leig an roc eile as a’ chlach a bh’ aice cho direach os ar cionn ’s gu’n do bhuail i air meadhain na luinge, agus rinn i mile pios dhi. A’ chuid nach do ghrad mharbhadh dhe na maraichean ’s de na marsantan, bhathadh iad ach mise ’n am onar. Ged a chaidh mi fodha mar a chaidh cach, thainig mi rithist an uachdar. Gu fortanach fhuair mi greim air sgonn math fiodha, agus chaidh agam air mi fhein a chumail an uachdar gus an do chuir a’ ghaoth ’s an sruth air tir mi air cladach eilean. CAIB. X. AN uair a chuir a’ ghaoth ’s an sruth air tir mi air cladach an eilean, ghabh mi eagal nach rachadh agam gu brath air direadh suas gu feur glas; oir bha na creagan cho cas fad mo sheallaidh ’s nach fhaigheadh na gobhair fhein leud bonn an cas annta. Shuidh mi greis mhath far an robh mi a leigeadh m’ analach. Ach a dh’ olc no dh’ eiginn ga’n d’ fhuair mi, dhirich mi suas mu dheireadh. An uair a choisich mi beagan astair air m’ aghaidh, chunnaic mi gur e eilean maiseach a bh’ ann, agus gu’n robh moran de chraobhan-mheas dhe gach seorsa ’fas ann. Is ann a bha e coltach ri garadh mheasan. Bha cuid dhe na craobhan air an robh na measan lan abuich, agus bha cuid eile nach [TD 18] robh faisge air a bhith abuich. Bha na h-uiread de shruthain a’ ruith gu bras, lubach, am measg nan craobh. Dh’ ith mi cuid dhe na measan, agus chord iad rium gle mhath; agus cha b’ e an t-uisge dad bu mhiosa ’chord rium. An uair a thainig an oidhche, leig mi mi-fhein ’nam shineadh air an fheur ann an aite fasgach, blath; ach cha d’ rinn mi moran cadail, oir bha m’ inntinn troimh a cheile leis an eagal, a chionn gu’n robh mi ann an aite fasail. Ach cha b’ e an t-eagal uile gu leir a chum o chadal mi ach an diumbadh a bh’ agam orm fhein a chionn mi bhith cho amaideach ’s gu’n d’ fhalbh mi o ’n taigh an uair nach ruiginn a leas e. Leis mar a fhuair an dragh-inntinn so a leithid de ghreim orm, is ann a smaoinich mi gu’m bu cheart cho math dhomh crioch a chur air mo bheatha. Ach an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, dh’ fhalbh na smaointeanan olca, amaideach so bhar m’ inntinn. Dh’ eirich mi as an aite ’s an robh mi ’nam shineadh, agus thoisich mi ri coiseachd am measg nan craobh, gun fhiamh gun eagal. An uair a chaidh mi beagan air m’ aghart troimh ’n eilean, chunnaic mi seann duine air an robh coltas a bhith gle lag, lapach. Bha e na shuidhe air bruaich aimhne, agus shaoil leam an toiseach gur e fear a dh’ fhuiling long-bhristeadh ai bh’ ann mar a bha mi fhein. Chaidh mi far an robh e, agus chuir mi failte air; ach cha d’ rinn e ach a cheann a chromadh rium. Dh’ fheoraich mi dheth ciod a bha e ’deanamh an sid; ach an aite freagairt a thoirt dhomh, is ann a thoisich e ri smeideadh orm, agus ri crathadh a lamhan feuch an tugadh e orm a thuigsinn gu’n robh toil aige mi thoirt cuideachaidh dha. Cha robh mi an toiseach ’g a thuigsinn; ach mu dheireadh thuig mi gu’n robh e ’g iarraidh orm a thoirt a null air an amhainn air mo mhuin, a chum gu’n cruinnicheadh e measan. Lan- [TD 19] chreid mi gu’n robh feum aige air cuideachadh fhaotainn, agus mar sin thug mi leam a null air an amhainn air mo mhuin e. Dh’ iarr mi air tighinn bhar mo mhuin, agus chrom mi a chum gu’m biodh e na b’ fhusa dha tighinn air lar; ach an aite deanamh mar a dh’ iarr mi air (agus cha ’n urrainn domh gun ghaire a dheanamh a h-uile uair a smaoinicheas mi air), is ann a theannaich e a chasan mu m’ amhaich cho teann ’s ged a bhiodh i ann an glamaradh a ghobha. Sin an uair a thug mi an aire gu’n robh an craicionn a bh’ air coltach ri seice mairt. Shuidh e casan-gobhlach air mo ghuaillean, agus rug e air sgornan orm cho teann le lamhan ’s gu’n robh e an impis mo thachdadh. Agus leis an eagal a ghabh mi, dh’ fannaich mi, agus thuit mi far an robh mi. Ged a dh’ fhannaich mi cha do leig an seana chreutair mosach as an greim a bh’ aige air m’ amhaich idir; ach thug e a chasan beagan o cheile a chum gu’n leigeadh e dhomh m’ anail a tharruinn. An uair a chunnaic e gu’n d’ fhuair mi m’ anail, chuir e an dara cas gu teann cruaidh ri mo stamaic, agus leis a’ chois eile thug e buille dhomh anns a’ chliathaich a thug orm gu’n d’ eirich mi ge b’ oil leam. Ged a bha duil agam gur e seann duine lag, lapach a bh’ ann, is ann a bha ’n t-seana bheist cho laidir ri dithis fhear. An uair a fhuair e ’nam sheasamh mi, thug e orm falbh leis fo na craobhan, agus an drasta ’s a rithist, thug e orm stad a dh’ itheadh mheasan. Cha robh e ’gam leigeadh as fad an latha; agus an uair a bha mi ’gam leigeadh fhein ’nam shineadh air an oidhche gu fois a ghabhail, bha esan ’g a leigeadh fhein ’na shineadh ri m’ thaobh, agus bha e ’cumail greim gu teann, cruaidh air amhaich orm. A h-uile madainn phutadh e mi gus mo dhusgadh, agus ’na dheigh sin breabadh e mi gus an tugadh e orm eirigh agus falbh leis air mo mhuin. Faod- [TD 20] aidh sibh a thuigsinn, a dhaoin’ uaisle, cho draghail ’s a bha e dhomh a bhith ’giulan a leithid a dh’ eallach ’s gun chomas air faotainn cuibhteas e. Air latha araidh an uair a bha mi siubhal troimh ’n eilean, thachair sligean mora rium a bha air na measan a bha ’fas air cuid dhe na craobhan. Thog mi te dhiubh, agus an deigh dhomh a glanadh, lion mi i le sugh nam fion-dhearcan a bha cho pailt anns an eilean. Chuir mi ann an aite sabhailte i. An ceann beagan laithean na dheigh sin thainig mi dh’ ionnsuidh an aite an d’ fhag mi an t-slige; thog mi i, agus an uair a bhlais mi an stuth a bh’ innte, dh’ aithnich mi gur e fìon math a bh’ ann. Dh’ ol mi deur math dheth; agus thug e orm nach e mhain gu’n do dhichuimhnich mi mo bhron, ach mar an ceudna gu’n d’ fhas mi cho laidir ’s cho sunndach ’s gu’n do thoisich mi ri gabhail oran ’s ri ceumannan dannsa dheanamh mar a bha mi ’coiseachd air aghart. An uair a chunnaic an seann duine a’ bhuaidh a bh’ aig an deoch orm, agus gu’n robh mi na bu treise gus a ghiulan na bha mi roimhe, dh’ fheuch e ri thoirt orm a thuigsinn gu’n robh toil aige a roinn dhe ’n deoch fhaotainn. Thug mi dha an corr a dh’ fhag mi, agus dh’ ol e h-uile deur dheth. O nach robh e ’cleachdadh a bhith ’g ol fiona, chuir na dh’ ol e a’ mhisg air, agus thoisich e ri seinn ’s e fhein a chrathadh air mo mhuin mar gu’m biodh e toileach a dhol a dhannsa mar a chunnaic e mi fhein a’ deanamh. Leis a h-uile upraid a bh’ air, thionndaidh an stamac aige, agus thoisich e ri cur am mach. Thug so air gu’n do sguir e dhe mo theannachadh le ’lamhan ’s le chasan. An uair a chunnaic mi so, thilg mi bhar mo mhuin e; agus o nach robh de luths ann na ghluaiseadh as a’ bhad an robh e, bhuail mi clach mhor air anns a’ cheann, agus mharbh mi e. [TD 21] Cha robh mi riamh cho toilichte ’s a bha mi an uair a fhuair mi a lamhan na seana bheiste. Thug mi m’ aghaidh air a’ chladach, agus an uair a bha mi greis a’ coiseachd air bruaich a’ chladaich, thachair sgiobadh luinge rium a bha ’n deis a dhol gu tir a dh’ iarraidh uisge. Ghabh iad ioghnadh gu leor an uair a chunnaic iad mi; ach is ann a bha ’n t-ioghnadh orra an uair a dh’ innis mi dhaibh a h-uile car mar a thachair dhomh anns an eilean. “Fhuair seana bhodach na mara greim ort,” ars’ iadsan, “agus is tu a’ cheud fhear riamh a fhuair as a lamhan gun a bhith air a thachdadh. Cha do dhealaich e ri duine riamh air an d’ fhuair e greim gus an do chuir e as dha. Tha ’n t-eilean so ainmeil leis na chuireadh de dhaoine gu bas ann. An uair a theid marsantan is maraichean air tir ann, cha dana leotha a dhol astar sam bith o ’n chladach mur bi aireamh mhath dhiubh comhladh.” An uair a dh’ innis iad so dhomh, thug iad leotha mi gu bord. Nochd an sgiobair mor chaoimhneas dhomh an uair a dh’ innis mi dha mar a thachair dhomh anns an eilean. An uair a chaidh sinn air bord, sheol sinn, agus an ceann beagan laithean rainig sinn baile-puirt. Nochd fear dhe na marsantan a bh’ air bord caoimhneas dhomh, agus thug e orm a dhol gu tir comhladh ris, agus a’ dhol do ’n aite anns am biodh marsantan a’ coinneachadh ri cheile. Thug e dhomh poca mor, agus dh’ iarr e orm falbh ann an cuideachd nan daoine a bhiodh a’ cruinneachadh nan cnothan-coco. “Ma ’s math leat a bhith sabhailte,” ars’ esan, “leanaidh tu iad agus ni thu a’ cheart rud a chi thu iad fhein a’ deanamh.’ An uair a thuirt e so, thug e dhomh biadh, agus dh’ fhalbh mi comhladh riutha. Rainig sinn coille mhor anns an robh craobhan a bha anabarrach direach, ard. Bha na bunan aca cho lom ’s nach robh e an comas do dhuine sam bith direadh annta. [TD 22] B’ e craobhan-coco a bh’ annta gu leir; agus an uair a rainig sinn iad, chunnaic sinn aireamh mhor de mhoncaidhean dhe gach meudachd. Cho luath ’s a mhothaich iad dhuinn theich iad, agus shreip iad suas gu mullach nan craobh le luaths e chuir ioghnadh orm. Chruinnich na daoine a bha comhladh rium clachan, agus thoisich iad ri ’n tilgeadh air na moncaidhean a bh’ ann am mullach nan craobh. Rinn mise mar a bha each a’ deanamh; agus mar olcas ruinn, thoisich na moncaidhean ri tilgeadh nan cnothan-coco a nuas oirnn chum ’s gu’m bristeadh iad ar cinn ’s ar cnamhan. Bha sinn a’ cruinneachadh nan cnothan cho trang ’s a dh’ fhaodamaid, agus o am gu am bha sinn a’ tilgeadh nan clachan suas gus corruich a chur air na moncaidhean. Bha sinn leis na cleasan so a’ lionadh nam pocannan leis na cnothan-coco, agus b’ e so an aon doigh air am b’ urrainn duinn am faotainn. An uair a chruinnich sinn gu leor, thill sinn do ’n bhaile, agus cheannaich am marsanta uam na cnothan. “Lean romhad,” ars esan, “agus dean a h-uile latha mar a rinn thu ’n diugh gus an coisinn thu de dh’ airgiod na phaigheas do rathad dhachaidh.” Thug mi taing dha air son na comhairle a thug e orm. An uine gun bhith fada choisinn mi deadh shuim air na chruinnich mi de chnothan-coco. Dh’ fhalbh an long air an deachaidh mi do ’n eilean as an acarsaid, agus i luchdaichte le cnothan-coco. O ’n a bha duil agamsa ri luing eile, cha d’ fhalbh mi comhladh ris na marsantan. Thainig an long ris an robh duil agam. An uair a fhuair na marsantan air bord gach ni a bha iad a’ toirt leotha, fhuair mise mo chuid chnothan a chur air bord mar an ceudna. An uair a bha i deiseil gu falbh, chaidh mi ’ghabhail mo chead dhe ’n mharsanta a bha cho caoimhneil rium, o nach robh e deiseil gu falbh air an luing comhladh rium. [TD 23] Sheol sinn rathad nan eileanan anns am bheil am peper a’ fas. Tha luchd-aiteachaidh nan eileanan so anabarrach, stuama, deadh-bheusach. Cha ’n ol iad fion idir, ni mo a ni iad ghniomh mi-chliuiteach sam bith. Thug mi seachad na bh’ agam de choco anns na h-eileanan so air son pepeir agus fiodh alois, agus chaidh mi comhladh ri marsantan eile a dh’ iasgach neamhnuidean. Thug mi tuarasdal do dhaoine gus a dhol thun a’ ghrunna ’g an iasgach, agus fhuair iad dhomh feadhainn a bha anabarrach mor agus luachmhor. Bha mi gle riaraichte leis an doigh anns an do shoirbhich mo ghnothach leam. Chaidh mi air bord luinge a bha ’seoladh gu ruige Balsora. As a sin thainig mi do Bhagdad, far an d’ fhuair mi suim anabarrach mor de dh’ airgiod air son na bh’ agam de pheper, de dh’ fhiodh alois, agus de neamhnuidean. Thug mi an deicheamh cuid dhe na bhuanaich mi seachad mar dheirce, mar a b’ abhaist dhomh a dheanamh an uair a bha mi ’tilleadh dhachaidh bhar mo thuruis. Agus a chum an sgios ’s an saruchadh a bh’ orm an deigh mo thuruis a chur dhiom, bha mi ’caitheamh mo bheatha le subhachas, agus leis gach toil-inntinn a bha freagarrach air mo shon. An uair a chuir Sindbad crioch air a naigheachd, dh’ ordaich e ceud bonn oir a thoirt do Hindbad, agus dh’ fhalbh e fhein agus gach aon dhe na h-aoidhean eile dhachaidh. CAIB. XI. MU am dinnearach an la-iar-na-mhaireach, chruinnich na h-aoidhean mar a b’ abhaist dhaibh, agus bha Hindbad, am portair ’n am measg. An uair a chuir iad crioch air an dinnear, thuirt Sindbad riutha, na’m b’ e toil eisdeachd a thoirt dha, gu’n innseadh e dhaibh a h-uile car mar a [TD 24] dh’ eirich dha air an t-siathamh turus a dh’ fhalbh e sheoladh. A dhaoin’ uaisle, ars’ esan, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil fadachd oirbh gus an cluinn sibh cia mar a ghabh mi os laimh falbh air an t-siathamh turus a shiubhal an t-saoghail ’s a dh’ iarraidh tuilleadh fortain, an deigh a h-uile cruadal is uidil is anastachd a dh’ fhuiling mi re nan coig tursan a bha mi air falbh roimhe sid. An uair a smaoinicheas mi air, tha e ’cur ioghnadh orm gu’n d’ rinn mi ’leithid. Ach biodh sin mar a thogras e, an deigh dhomh a bhith bliadhna aig fois, rinn mi deiseil gu falbh air an t-siathamh turus, a dh’ aindeoin na rinn mo chairdean ’s mo luchd-daimh de chomhairleachadh orm gu fuireach aig an taigh. An aite seoladh a Bagh Phersia, is ann a chaidh mi aon uair eile troimh chaochladh de mhor-roinnean Phersia agus nan Innsean, gus an d’ rainig mi baile-puirt araidh far an deachaidh mi air bord luinge a bha ’dol air turus fada. Cha b’ e mhain gu’n robh sinn uine fhad’ aig muir, ach mar an ceudna gu’n robh sinn cho mi-fhortanach ’s gun do chaill an sgiobair a chursa gu buileach. Mu dheireadh fhuair e ’chursa, ach cha robh sin ’na aobhar solais sam bith dhuinn. Ghlac eagal anabarrach sinn an uair a chunnaic sinn an sgiobair a’ cur cul ri ’dhleasdanas, agus a’ teannadh ri gul ’s ri caoidh. Thilg e dheth a churrac, agus thoisich e ri spionadh an fhuilt ’s na feusaig as fhein, agus ri bualadh a chinn mar gu’m biodh duine a bhiodh as a rian. Dh fheoraich sinn ciod a b’ aobhar do ’n obair a bh’ aige, agus fhreagair e, “Gu’n robh an long anns an aite bu chunnartaiche a bh’ anns a’ chuan gu leir; gu’n robh sruth laidir ’g a tarruinn gu luath a dh’ ionnsuidh a’ chladaich; agus gu’m biomaid air ar call ann an ceathramh na h-uarach. Guidhibh ri Dia,” ars’ esan, [TD 25] “gu’n saor e sibh o ’n chunnart so. Cha ’n urrainn sinn a dhol as mur gabh esan truas dhinn.” An uair a thuirt e so, dh’ ordaich e na siuil atharrachadh; ach bhrist na ropannan, agus a dh’ aindeoin gach oidhirp a thugadh air an long a shabhaladh, thug an sruth i ann an uine ghoirid a dh’ ionnsuidh cladach beinne a bha anabarrach ard, cas. Chaidh i ’na connalaich air a’ chladach. Ach gu fortanach shabhail sinn uile ar beatha, agus chaidh againn air na bh’ air bord de bhiadh, agus a’ chuid a b’ fhearr dhe ’n bhadhar a shabhaladh. An uair a fhuair sinn am biadh ’s am badhar air tir, thuirt an sgiobair ruinn, “Rinn Dia mar a b’ aill leis; tha e cheart cho math dhuinn ar n-uaighean a chladach, agus beannachd fhagail aig an t-saoghal; tha sinn ann an aite as nach d’ fhuair duine riamh roimhe air falbh beo. Chuir na briathran so fo mhor-dhoilghios sinn. Bha sinn uile gu deurach, bronach a’ caoidh air son mar a thachair dhuinn, agus dh’ fhag sinn beannachd aig a cheile. Bha ’bheinn air an do bhristeadh an long ri cladach eilean a bha mor, fada. Bha ’n cladach uile comhdaichte le fiodh nan long a chaidh a bhristeadh air, agus le cnamhan nan daoine a chaidh a bhathadh. Chuir so uamhas oirnn, agus thuig sinn gu’n do chailleadh moran sluaigh ann. Cha ghabh e innseadh na bha de bhadhar luachmhor agus de shaoibhreas air a’ chladach. Bha na nithean so gu leir a’ meudachadh ar broin. Anns gach aite eile tha na h-aimhnichean a’ ruith do ’n chuan, ach anns an aite so bha amhainn mhor uisge a’ ruith a steach do tholl dorcha a bha mor, farsuinn. Rud a tha gle iongantach, is e clachan luachmhor a th’ anns a’ bheinn so gu leir. Bha fiodh alois a’ fas an so mar an ceudna, agus tha e ’cheart cho luachmhor ris an fhiodh a tha ’fas ann an Comaraidh. [TD 26] Faodaidh mi a radh nach ’eil e comasach do luingeas sam bith faotainn as an aite, aon uair ’s gu’n teid iad dluth dha. Ma bhios a’ ghaoth thun a’ chladaich, bheir an sruth ’s a’ ghaoth a dh’ ionnsuidh beul na h-aimhne iad; agus ged a bhiodh a’ ghaoth bhar an fhearainn, tha fasgadh na beinne ’ga cumail uapa, agus tha neart an t-sruth ’g an tarruinn thun a’ chladaich, far am bheil iad air am bristeadh mar a bha ’n long air an robh sinne. Agus gu mi-fhortanach, cha ’n urrainn duine sam bith a’ bheinn a dhireadh, no faighinn air falbh as an aite air dhoigh sam bith. Cha robh againn ach fuireach air a’ chladach far an robh sinn. Bha sinn mar dhaoine a bhiodh an deigh a dhol as an ciall, agus bha sinn an duil gach latha gu’n tigeadh am bas oirnn. Roinn sinn na bh’ againn de bhiadh cho cothromach ’s a b’ urrainn duinn, agus cha robh aig gach fear ach a bhith beo air a chuid bidh fhein fhad ’s a mhaireadh e dha. Iadsan a thug buil mhath as na bh’ aca de bhiadh, is iad a b’ fhaide a bha beo. Iadsan a fhuair bas an toiseach, thiodhlaic an fheadhainn a bha beo iad. Bha mise aig tiodhlacadh gach aon dhiubh. Cha ruig e leas ioghnadh a chur oirbh ged a bha mise beo an deigh caich; oir a bharrachd air a bhith ’caomhnadh mo roinn fhein dhe ’n bhiadh, bha biadh eile agam dhomh fhein nach do roinn mi air cach idir. Ach an uair a fhuair cach uile bas, cha robh agam ach fior bheagan dheth, agus cha robh smaointean sam bith agam gu’m bithinn a’ bheag a dh’ uine beo. Chladhaich mi uaigh dhomh fhein, agus bha ’run orm mi fhein a shineadh innte an uair a theirgeadh am biadh gu leir dhomh, a chionn nach robh duine ann thiodhlaiceadh mi. Feumaidh mi aideachadh dhuibh gu’n robh mi aig a’ cheart am gle dhiumbach dhiom fhein, a chionn mo bheatha ’chur na leithid de chunnart. Bha aithreachas gu leor orm a [TD 27] chionn falbh o ’n taigh idir. A bharrachd air so, bhuail e anns an inntinn agam gu’m bu cho math dhomh crioch a chur air mo bheatha gun fhuireach ris a’ bhas a thighinn. Ach b’ i toil Dhe truas a ghabhail dhiom aon uair eile, agus chuir e ’nam inntinn a dhol gu bruaich na h-aimhne a bha ’ruith a steach troimh ’n bheinn. An uair a bha mi ’nam sheasamh air bruaich na h-aimhne ’s mi ’gabhail beachd oirre, thuirt mi rium fhein, gu’m feumadh gu’n robh i ’tighinn an uachdar an aiteiginn an deis dhi dhol troimh ’n bheinn. Smaoinich mi nach robh dad a b’ fhearr dhomh na rath a dheanamh, agus mi fhein a leigeadh le sruth na h-aimhne, agus gu’n tugadh an sruth mi do dhuthaich air choireiginn, mur a rachadh mo bhathadh. Bha mi coma ged a bhaithteadh mi; oir bha e cho math dhomh a bhith air mo bhathadh ri bas fhaighinn leis an acras. Smaoinich mi ’nam faighinn as an aite mhi-shealbhach anns an robh mi gu’m faoidteadh nach tigeadh am bas orm mar a thainig air mo chompanaich, agus gur docha gu’m faighinn doigh air choireiginn leis an rachadh agam air a dhol ann an cois a challa ’thainig orm. Gun dail sam bith thoisich mi ri deanamh rath. Cha robh mi fada ’ga dheanamh, oir bha fiodh gu leor agus cuird faisge air laimh dhomh. Agus an uair a thagh mi na bha freagarrach dhomh, rinn mi rath beag, agus cheangail mi e gu math laidir ri cheile. An uair a chuir mi crioch air, luchdaich mi e leis gach ni bu luachmhoire na cheile a fhuair mi air a’ chladach. Agus b’ fhurasda dhomh sin a dheanamh, oir bha ’m pailteas de sheudan luachmhor de gach seorsa ann am braighe a’ chladaich. An uair a cheangail mi gu teann, cruaidh gach ni a bha mi ’toirt leam air an rath, chaidh mi air bord air, agus bha da ramh bheag agam a rinn mi gun fhios nach biodh [TD 28] feum agam orra. An uair a dh’ fhalbh mi o thir, chuir mi mi-fhein air curam Dhe. Cha bu luaithe a chaidh mi steach do ’n toll a bh’ anns a’ bheinn na chaill mi gu buileach sealladh air an t-solus. Bha ’n sruth ’g am thoirt leis, ach cha robh fhios agam c’aite. Bha mi air an rath laithean araidh, agus mi ann an tiugh dhorchadas. Bha ’n toll cho cumhang an aiteachan ’s nach mor nach do bhristeadh mo cheann. Ach thug so orm an aire mhath a thoirt dhomh fhein ’na dheigh sin. Fad na h-uine cha d’ ith mi ach na bha ’gam chumail beo air eiginn. Ach a dh’ aindeoin cho math ’s bha mi ’caomhnadh a’ bhidh, theirig e dhomh mu dheireadh. ’Na dheigh sin thuit mi ’nam chadal. Cha ’n urrainn domh a radh ciod an uine a bha mi ’nam chadal; ach an uair a dhuisg mi, ghabh mi ioghnadh an uair a chunnaic mi gu’n robh mi ann am meadhain duthachadh a bha anabarrach farsuinn, far an robh an rath air a cheangal ri tir. Agus bha aireamh mhor de dhaoine dubha timchioll orm. Dh’ eirich mi ’nam sheasamh cho luath ’s a chunnaic mi iad, agus chuir mi failte orra. Labhair iad rium, ach cha do thuig mi ciod a bha iad ag radh. Bha mi cho fior aoibhneach ’s nach robh fhios agam co dhiubh bha mi ’nam chadal no ’nam dhusgadh. Ach an uair a thuig mi nach robh mi ’nam chadal, labhair mi na facail a leanas ann an canain Arabia: “Gairm air an Uile-chumhachdach, agus cuidichidh e thu; cha ruig thu leas iomacheist a bhith ort mu thimchioll ni sam bith eile; duin do shuilean, agus am feadh ’s a tha thu ’na d’ chadal, caochlaidh Dia do mi-fhortan gu fortan.” Thuig fear dhe na daoine dubha na briathran a labhair mi, agus thainig e dluth dhomh, agus thuirt e, “A bhrathair, na cuireadh e ioghnadh ort sinne fhaicinn. Buinidh sinn do ’n duthaich so. Tha sinn air tighinn a [TD 29] dh’ uisgeachadh ar cuid fearainn le uisge na h-aimhne so tha ’tighinn am mach as a’ bheinn. Chunnaic sinn rud a’ fleodradh air an uisge, agus cho luath ’s a b’ urrainn duinn thainig sinn a dh’ fhaicinn ciod a bh’ ann. Agus an uair a chunnaic sinn gur e rath a bh’ ann, shnamh fear dhinn far an robh e, agus thug sinn gu tir e, agus cheangail sinn e gus an duisgeadh tu. Innis dhuinn d’ eachdraidh; oir feumaidh gu’m bheil i anabarrach iongantach. Co as a thainig tu, agus cia mar a bha de mhisnich agad falbh air an amhainn?” Thuirt mi riutha gu’n innsinn dhaibh mo naigheachd nan tugadh iad an toiseach dhomh biadh a dh’ ithinn. Thug iad dhomh caochladh sheorsachan bidh, agus an uair a ghabh mi na thainig rium dheth, dh’ innis mi dhaibh a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh, agus dh’ eisd iad rium le mor aire ’s le mor ioghnadh. An uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri innseadh dhaibh, thuirt am fear a bha ’g eadar-theangachadh eadrainn rium nach cual’ iad eachdhraidh riamh cho iongantach ris na dh’ innis mi dhaibh, agus gu’m feumainn falbh comhladh riutha agus m’ eachdraidh innseadh do ’n righ mi fhein, o nach b’ urainn duine sam bith eile a h-innseadh ceart. Thuirt mi riutha, gu’n robh mi deas gu ni sam bith a dh’ iarradh iad orm a dheanamh. Gun dail sam bith fhuaradh each, agus an uair a chaidh mi air a mhuin, choisich cuid dhiubh romham gus an rathaid a shealltainn dhomh, agus lean cach sinn ’s iad a’ toirt leotha an rath agus nan nithean luachmhor a thug mi leam o chladach na beinne. Choisich sinn mar so air ar n-aghart gus an d’ rainig sinn ceanna-bhaile na rioghachd. Thugadh an lathair an righ mi. Chaidh mi dluth do ’n righ-chathair, agus thug mi umhlachd is urram do ’n righ mar bu ghnath leam a thabhairt do righrean nan Innsean; sin ri radh, leig mi [TD 30] mi-fhein ’nam shineadh aig a chasan, agus pog mi an t-urlar. Labhair e rium gu ciuin, caoimhneil, agus dh’ fhaighneachd e dhiom c’ ainm a bh’ orm, agus fhreagair mi, gur e, “Sindbad an Seoladair,” a theirteadh rium gu cumanta, do bhrigh gu’n robh mi ’dol air tursan-cuain gu math tric. Thuirt mi ris mar an ceudna, gur ann do ghnath-mhuinntir Bhagdad a bha mi. Dh’ fheoraich e dhiom cia mar a thainig mi do ’n rioghachd aige, agus co ’n t-aite mu dheireadh as an dh’ fhalbh mi. CAIB. XII. CHA do chum mi ni sam bith an cleith an an righ. Dh’ innis mi dha gach ni a dh’ innis mi dhuibh fhein; agus chuir mo naigheachd a leithid de dh’ ioghnadh air s gu’n d’ ordaich e gu’m biodh i air a sgriobhadh ann an litrichean oir, agus air a tasgadh am measg seann-sgriobhaidhean na rioghachd. Mu dheireadh thugadh an rath an lathair an righ, agus dh’ fhosgladh na saic anns an robh na seudan agus na nithean luachmhor eile ’bh’ agam. Chord gach ni a bh’ anns na saic anabarrach math ris. Bha seudan is neamhnuidean annta a bha moran na bu bhriagha na h-aon dhe ’n t-seorsa a bh’ aige fhein. An uair a thug mi an aire gu’n robh na seudan a’ toirt mor thaitneas dha, leig mi mi-fhein ’nam shineadh aig a chasan, agus ghabh mi orm de dhanadas labhairt ris mar so: “Le ’r cead, a righ, faodaidh sibh feum sam bith a thogras sibh a dheanamh dhe gach ni a bhuineas dhomhsa; oir tha mise ’g am chur fhein agus gach ni a bhuineas dhomh gu saor ann bhur lamhan.” Thainig fiamh gaire air, agus thuirt e, “A Shindbaid, bheir mi an aire nach sanntaich mi ni sam bith a [TD 31] bhuineas dhut, agus nach toir mi ni sam bith uat dhe na thug Dia dhut. An aite do mhaoin a lughdachadh, is ann a tha ’run orm a meudachadh. Agus cha leig mi air falbh as an rioghachd thu gun iomadh ni a thoirt dhut.” Cha d’ thug mi de fhreagairt air ach gu’n do ghuidh mi gu’m biodh soirbheachadh aige, agus gu’n do mhol mi e air son cho fialaidh ’s a bha e. Dh’ ordaich e do dh’ fhear dhe na oifigich curam a ghabhail dhiom, agus gach ni a bhiodh a dhith orm a thoirt dhomh air a chosg fhein. Rinn an t-oifigeach gach ni mar a dh’ aithn an righ dha, agus thug e fa near mo chuid badhair a chur gu sabhailte do ’n taigh anns an robh mi gu bhith ’fuireach. Aig an uair araidh chaidh mi gach latha do chuirt an righ, far an robh mi greis a’ comhradh ris. Bha mi ’caitheamh a’ chorra dhe ’n latha air feadh a’ bhaile, agus a’ gabhail beachd air gach ni iongantach a bha ri fhaicinn ann. Is e eilean mor do ’n ainm Serendib, a th’ anns an rioghachd. Tha e direach ann am meadhain an t-saoghail, agus air an aobhar sin, tha ’n latha ’s an oidhche ’s an aon fhad o cheann gu ceann de ’n bhliadhna. Tha ’n t-eilean dluth air tri cheud mile air fad ’s air leud. Tha ceanna-bhaile na rioghachd ann an gleann maiseach, agus tha beinn ann am meadhain an eilean, agus tha e air a radh gur i beinn a’s airde a th’ air an t-saoghal. Chithear i astar thri latha seolaidh air falbh. Tha moran de chlachan luachmhor dhe gach seorsa ri m’ faotainn anns a’ bheinn so. Tha craobhan dhe gach seorsa fo ’n ghrein a’ fas anns an rioghachd so. Tha daoimein ri m’ faotainn innte mar an ceudna. Tha neamhnuidean ro luachmhor ri ’m faotainn anns a’ chuan faisge air beul na h-aimhne. Is anns an eilean so a tha ’bheinn do ’n d’ fhuadaicheadh Adhamh an deigh a chur am mach a Parras, agus chaidh mi a dh’ aon ghnothach gu mullach na beinne gus an t-aite anns an robh e ’fhaicinn. [TD 32] An uair a thainig mi air m’ ais do ’n bhaile, ghuidh mi air an righ cead a thoirt dhomh tilleadh do m’ dhuthaich fhein, agus thug e an cead sin dhomh gu h-aoidheil toilichte. Chuir e roimhe gu’n tugadh e dhomh tiodhlac ro luachmhor; agus an uair a chaidh mi ’ghabhail mo chead dheth, thug e dhomh tiodhlac a bha moran na bu luachmhoire na bha mi ’n duil a bheireadh e dhomh. Aig a’ cheart am thug e dhomh litir a bha e cur a dh’ ionnsuidh ar righ, agus thuirt e rium, “Tha mi ’guidhe ort thoir an tiodhlac agus an litir so uamsa a dh’ ionnsuidh an Righ, Haroun Alraschid, agus innis dha gu’m bheil meas mor agamsa air.” Ghabh mi an tiodhlac agus an litir uaithe, agus gheall mi dha gu’n tugainn do ’n righ iad; agus thuirt mi ris gu’n robh mi ’meas gu’n do chuir e urram mhor orm an uair a dh’ earb e a leithid de ghnothach rium. Mu’n do sheol mi, chuir e fios a dh’ ionnsuidh nam marsantan, ag iarraidh orra meas a bhith aca orm, agus urram a thoirt dhomh. Bha ’n litir so air a sgriobhadh air craicionn a bh’ air ainmhidh a bha anabarrach tearc ri fhaotainn anns an t-saoghal, agus b’ e dath buidhe a bh’ air a’ chraicionn, agus bha ’n sgriobhadh air a dheanamh le dath a bha eadar a bhith gorm ’s a bhith uaine. B’ e so na briathran a bh’ innte:— “Righ nan Innsean, roimh am bi ceud elefant ag imeachd, a tha chomhnuidh ann an luchairt a tha ’dealradh le ceud mile rubaidh, agus aig am bheil fichead mile crun a’ dealradh le daoimean, a dh’ ionnsuidh an Righ, Haroun Alraschid: “Ged nach ’eil an tiodhlac a tha sinn a’ cur do ’r n-ionnsuidh ach suarach, gabhaibh e mar bhrathair, agus [TD 33] mar charaid, mar chomharradh air a’ chairdeas a th’ againn ruibh, agus air am bheil toil againn dearbhadh a thoirt dhuibh. Tha toil againn gu’n noch sibh cairdeas dhuinn air a’ cheart dhoigh, oir tha sinn a’ creidsinn gu’m bheil sinn airidh air, air dhuinn a bhith ann an co-inbhe ruibh fhein. Tha sinn ’ga radh so ruibh mar bhrathair.—Slan leibh.” B’ e an tiodhlac, an toiseach, aon chupan, a bh’ air a dheanamh a aon rubaidh, a bha mu leith troidh air airde, agus mu oirleach air tiuighead, lan de neamhnuidean mora; a rithist, craicionn nathrach air an robh lannan a bha cho leathann ri bonn oir, agus a chumadh gach tinneas air falbh o neach sam bith a laidheadh air; an treas ni, da cheud punnd de dh’ fhiodh alois, tri-fichead cnap de champhor; agus an ceathramh ni, banoglach anabarrach maiseach air an robh trusgan a bha comhdaichte le seudan ro luachmhor. Sheol an long, agus ged a bha i uine mhor air a turus gu ruige Balsora, rainig i gu sabhailte mu dheireadh. An uine gun bhith fada thainig mi do Bhagdad, agus gun dail sam bith chaidh mi leis an litir agus leis na tiodhlacan a dh’ ionnsuidh an righ. An uair a raing mi an geata, dh’ innis mi ceann mo thuruis, agus gun dail sam bith thugadh an lathair an righ mi. Thug mi umhlachd is urram dha mar a bha iomchuidh dhomh a dheanamh, agus an uair a labhair mi beagan fhacal ris, thug mi dha an litir agus na tiodhlacan. An uair a leugh e an litir, dh’ fheoraich e dhiom an robh righ Sherendib cho saoibhir agus cho cumhachdach ’s a bha e fhein ag radh? Leig mi mi-fhein ’nam shineadh an dara uair, agus an uair a dh’ eirich mi thuirt mi, “A Cheannaird nan creidmheach, theid mi am barantas dhuibh nach ’eil aon fhacal anns na thubhairt e ach an fhirinn. Tha mise ’nam shuil-fhianuis air. Cha ’n ’eil ni sam bith a’s mo a chuireadh a dh’ ioghnadh air [TD 34] duine na meud agus maise na luchairt aige. An uair a theid e ’mach am measg an t-sluaigh, bidh e ’na shuidhe air cathair a bhios air a ceangal air druim elefant, agus bidh ard-mhaithean na rioghachd, agus uaislean na cuirte, ag imeachd air gach taobh dheth. Bidh oifigeach ’na shuidhe air a bheulaobh aig am bi sleagh oir ’na laimh; agus bidh oifigeach ’na sheasamh air chul na cathrach, aig am bi colbh oir ’na laimh, agus air barr a’ cholbh so bidh emerald anns am bheil leith-troidh air fad, agus oirleach air tiuigheadas. Bidh mile saighdear, air an eideadh ann an aodach oir, a’ marcachd roimhe air ceud elefant, a bhios air an comhdachadh le aodach riomhach. An uair a bhios an righ ag imeachd air aghart, bidh an t-oifigeach a bhios air a bheulaobh a’ glaodhaich o am gu am le guth ard, “Faicibh an righ mor, cumhachdach, do-chiosnaichte, righ nan Innsean, aig am bheil a luchairt comhdaichte le ceud mile rubaidh, agus aig am bheil fichead mile de chruin dhaoimean. Faicibh an righ a’s mo gu mor na Solamh.” An deigh dha na briathran so a labhairt tha ’n t-oifigeach a bhios air chul na cathrach a’ glaodhaich, “Feumaidh an righ so, a tha cho mor agus cho cumhachdach, am bas fhulang.” An sin freagraidh an t-oifigeach a th’ air beulaobh na cathrach, agus their e, “Moladh gu robh dhasan a bhios beo gu siorruidh.” “A bharrachd air so, tha righ Sherendib cho ceart s cho cothromach ’s nach ’eil feum air breitheamhna anns an rioghachd. Cha ’n ’eil feum aig sluagh na rioghachd orra. Tha iad a’ tuigsinn agus a’ deanamh ceartais le ’n lan thoil fhein.” Thug na briathran a labhair mi mor thaitneas do ’n righ. “Tha gliocas an righ sin,” ars’ esan, “ri fhaicinn anns an litir a sgriobh e; agus an deigh na dh’ innis thu [TD 35] dhomh, feumaidh mi aideachadh gu’m bheil a ghliocas airidh air a shluagh, agus gu’m bheil a shluagh airidh gu’m biodh prionnsa cho glic ris a’ riaghladh thairis orra.” An uair a thuirt e so, thug e cead dhomh a bhith falbh, agus chuir e tiodhlac luachmhor dhachaidh leam. An uair a sguir Sindbad a dh’ innseadh mar a thachair dha air an t-siathamh turus a bha e air falbh, thug e ceud bonn oir do Hindbad, agus chaidh gach aon a bh’ aig a’ chuirm dhachaidh. CAIB. XIII. AN la-iar-na-mhaireach thainig na h-aoidhean air ais do ’n taigh aig Sindbad a chum gu’n cluinneadh iad mar a thachair dha air an t-seachdamh turus a dh’ fhalbh o sheoladh. Ghabh iad an dinnear mar a b’ abhaist dhaibh, agus an uair a bha i seachad, thoisich Sindbad ri innseadh a naigheachd mar a leanas:— An uair a thill mi dhachaidh bhar an t-siathamh turuis, leig mi as mo cheann buileach glan falbh o ’n taigh gu brath tuilleadh; oir, a bharrachd air gu’n robh mi air tighinn gu leithid a dh’ aois ’s gu’m feumainn fois a ghabhail, chuir mi romham nach cuirinn mi fhein ann an cunnart mar a rinn mi iomadh uair roimhe, gu brath tuilleadh; agus mar sin, bha mi ’n duil gu’n caithinn na bha romham dhe m’ shaoghal aig fois ’s aig samhchair. Air latha araidh an uair a bha mi ’toirt aoidheachd do chairdean a thainig ’gam amharc, thainig aon dhe na seirbhisich agus thuirt e rium, gu’n robh fear a dh’ oifigich an righ ag iarraidh m’ fhaicinn. Dh’ eirich mi o ’n bhord, agus chaidh mi far an robh e. “Chuir an righ mise far am bheil thu,” ars’ esan, “a dh’ innseadh dhut gu’m bheil toil aige bruidhinn riut.” [TD 36] Lean mi ’n t-oifigeach do ’n luchairt, far an d’ thugadh an lathair an righ mi. Chuir mi failte air le mi fhein a shineadh air an urlar aig a chasan, mar bu choir dhomh. “A Shindbad,” ars’ esan, “tha feum mor agam ort. Feumaidh mi do chur le litir agus le tiodhlac a dh’ ionnsuidh righ Sherendib. Is e mo dhleasdanas caoimhneas a nochdadh dha mar a nochd e fhein dhomhsa.” An uair a chuala mi so chuir e dragh mor orm. “A Cheannaird nan creidmheach,” arsa mise, “tha mi deas gu ni sam bith a dheanamh a chuireas sibh mu m’ choinneamh; ach tha mi h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n toir sibh fa near na trioblaidean mora troimh ’n deachaidh mi. A bharrachd air sin, thug mi boid nach rachainn gu brath tuilleadh am mach a Bagdad.” An uair a thuirt mi so ris, thug mi dha mion-chunntas air gach ni a thachair dhomh air na sia tursan a bha mi air falbh roimhe sid, agus dh’ eisd e rium gu foighidneach gus an do chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh. An sin thuirt e, “Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil na dh’ innis thu dhomh anabarrach iongantach, agus gu’n d’ fhuiling thu trioblaidean neo-chumanta. Ach air mo shon fhein, feumaidh tu falbh air an turus air am bheil mi ’g ad chur. Cha ’n ’eil agad ri dheanamh ach a dhol gu ruige Serendib, agus an teachdaireachd a bheir mise dhut a thoirt seachad. ’Na dheigh sin faodaidh tu tilleadh dhachaidh. Feumaidh tu falbh; oir tha fhios agad nach biodh e iomchuidh no measail dhomhsa a bhith fo fhiachan do righ an eilean ud.” An uair a chunnaic mi gu’n robh e muigh ’s am mach suidhichte gu’n cuireadh e air falbh mi, thuirt mi ris gu’n robh mi deonach falbh. Bha e gle thoilichte, agus dh’ ordaich e mile bonn oir a thoirt dhomh gus mo chosgais a phaigeadh. [TD 37] Ann am beagan laithean rinn mi deiseil gu falbh, agus cho luath ’s a thug an righ domh an litir agus an tiodhlac, chaidh mi do Bhalsora far an deachaidh mi air bord luinge. Fhuair sinn soirbheas cho math ’s a dh’ iarramaid. An uair a rainig mi Serendib, dh’ innis mi do ’n na comhairlich gu’n robh teachdaireachd agam a dh’ ionnsuidh an righ, agus ghuidh mi orra innseadh dha gun dail gu’n robh toil agam bruidhinn ris. Rinn ad so; agus thugadh mise do ’n luchairt le meas agus le urram. Thug mi umhlachd do ’n righ anns an doigh ghnathaichte. Dh’ aithnich e anns a’ mhionad mi, agus bha aoibhneas mor air a chionn gu’m faca e mi aon uair eile. “O Shindbaid,” ars esan, “is e do bheatha. Air m’ fhacal gu’n robh mi smaointean gle thric ort o ’n a dh’ fhalbh thu a so. Tha mo bheannachd air an latha anns an do thachair sinn ri cheile aon uair eile.” Thug mi taing dha air son a chaoimhneis, agus thug mi dha an litir agus an tiodhlac a chuir an righ ’g a ionnsuidh, agus ghabh e iad gle thoilichte. B’ e ’n tiodhlac a chuir an righ ’ga ionnsuidh—aodach-buird oir a b’ fhiach mile bonn oir; leith cheud deise de dh’ aodach luachmor; ceud deise eile de dh’ aodach geal a bha anabarrach grinn, agus a rinneadh ann an Cairo, ann an Sues, ann an Cusa, agus ann an Alecsandria; leaba rioghail de chriomsan, agus leaba de sheorsa eile; soitheach agate a bha anabarrach luachmhor. Chuir e mar an ceudna bord anabarrach briagha g’a ionnsuidh, agus bha e air aithris, gur ann aig righ Solamh a bha e ’n toiseach. B’ e so na briathran a bh’ ann an litir an righ:— “Failte ann an ainm an righ a tha ’treorachadh dhaoine air an t-slighe cheirt, an righ sona agus cumhachdach, o Abdallah Haroun Alraschid, a chuir Dia ann an ionad urramach, an t-ionad ’s an robh na daoine o ’n d’ thainig e: [TD 38] “Fhuair sinn bhur litir, agus thug i aoibhneas dhuinn; agus tha sinn a’ cur na litreach so do ’r n-ionnsuidh o ard-chomhairle na rioghachd; o ar daoine deadh-fhaclach. Tha sinn an dochas, an uair a sheallas sibh oirre, gu’n tuig sibh gu’m bheil deadh run againn dhuibh, agus gu’n toir i toileachadh dhuibh—Slan leibh.” Chord an litir so anabarrach math ri righ Sherendib. Beagan uine an deigh domh mo theachdaireachd a thoirt seachad, dh’ iarr mi cead falbh dhachaidh, ach cha robh an righ deonach mo leigeadh air falbh. Mu dheireadh fhuair mi cead falbh, agus thug an righ dhomh tiodhlac a bha gle luachmhor. Gun dail sam bith chaidh mi air bord luinge gu tilleadh dhachaidh, ach gu mi-fhortanach cha deachaidh mo thurus dhachaidh leam cho math ’s bu mhiannach leam. An ceann tri no ceithir latha an deigh dhuinn seoladh thachair long-spuinnidh ruinn; agus o nach robh airm againn air bord, ghlacadh sinn ann an tiotadh. Bha cuid dhe ’n sgiobadh a’ cur ’nan aghaidh gu laidir, ach chaill iad am beatha air a shailleamh sin. Ach o nach do chuir mise agus a’ chuid eile dhe ’n sgiobadh an aghaidh nan spuinneadairean, cha do mharbh iad idir sinn, o ’n a bha run orra ar reic mar thraillean. Thug iad dhinn a h-uile ball aodaich a bh’ oirnn, agus chuir iad umainn seann aodach luideagach, salach, agus thug iad leotha sinn do dh’ eilean iomallach far an do reic iad sinn. B’ e marsanta saoibhir a bh’ anns an fhear a cheannaich mise. Thug e leis mi dha thaigh fhein. Bha e gle chaoimhneil rium, agus thug e dhomh deadh dheise ri chur umam. Beagan laithean ’na dheigh sin, agus gun fhios aige co mi, dh’ fheoraich e dhiom an d’ ionnsaich mi ceaird sam bith. Thuirt mi ris nach b’ fhear-ceairde mi idir, ach gur [TD 39] e bh’ annam marsanta, agus gu’n do reic na spuinneadairean mi an deigh dhaibh m’ fhagail lom falamh. “Ach innis dhomh,” ars’ esan, “an aithne dhut sealg a dheanamh le bogha-saighead?” Thuirt mi ris gu’n robh mi ’cleachdadh a bhith ’sealg le bogha-saighead an uair a bha mi og, agus gu’n robh mi smaointean nach do dhichuimhnich mi fhathast e. Thug e dhomh bogha agus saighdean, agus thug e leis mi air a chulaobh air muin elefant, agus cha do stad e gus an d’ rainig sinn coille mhor, fharsuinn a bha astar math air falbh o ’n bhaile. Chaidh sinn astar math a steach do ’n choille mu ’n do stad sinn. Dh’ iarr e orm tighinn air lar, agus an uair a chomharraich e mach craobh mhor dhomh, thuirt e rium, “Dirich suas do ’n chraoibh ud, agus tilg saighdean air a h-uile elefant a thig dluth dhut; oir tha moran dhiubh anns a’ choille so. Ma thuiteas a h-aon dhiubh, thig thu le fios ugamsa.” An uair a thuirt e so dh’ fhag e biadh agam, agus thill e fhein do ’n bhaile. Bha mi anns a’ chraoibh fad na h-oidhche, ach cha ’n fhaca mi aon elefant fad na h-uine. Ach air an ath mhadainn, cho luath ’s a dh’ eirich a’ ghrian chunnaic mi aireamh mhor dhiubh. Thoisich mi air caitheamh shaighdean orra, agus mu dheireadh thuit te dhiubh. Theich cach ’s a’ mhionaid, agus fhuair mise cothrom air a dhol a dh’ innseadh do m’ mhaighstir mar a chaidh leam. An uair a chual’ e mar a rinn mi, thug e dhomh deadh bhiadh, nochd e dhomh mor-chaoimhneas, agus mhol e mi air son cho math ’s a rinn mi. ’Na dheigh sin, chaidh sinn le cheile do ’n choille, far an do chladhaich sinn toll gus an elefant a chur ann. Agus an uair a ghrodadh i, bha esan gu tighinn a thoirt nam fiacal aisde gus an reic. Lean mi air an obair so fad da mhios, agus bha mi ’marbhadh elefant a h-uile latha. A’ chraobh air am bithinn aon latha, cha b’ ann oirre a bhithinn lath’ eile. [TD 40] Air madainn araidh an uair a bha mi ag amharc air an son, thug mi an aire, le mor ioghnadh, an aite dhaibh gabhail seachad orm troimh ’n choille mar bu ghnath leotha, gu’n robh iad a’ gabhail direach far an robh mi, agus fuaim eagalach aca ’ga dheanamh. Bha leithid ann dhuibh ’s gu’n robh iad a’ cur na talmhainn air chrith. Chuartaich iad a’ chraobh anns an robh mi; agus bha ’n gnois sinte suas ris a’ chraoibh, agus bha iad ag amharc orm gu geur. Chuir an sealladh a bh’ ann a leithid a dh’ eagal orm ’s gu’n do thuit am bogha ’s na saighdean as mo laimh air an lar. Bha fior aobhar eagail agam; oir an deigh dhaibh a bhith greis ag amharc orm, chuir an te bu mho dhiubh a gnos mu ’n chraoibh anns an robh mi, agus spion i as a bun i, agus thilg i air an talamh i. Thuit mise comhladh ris a’ chraoibh, agus thog an elefant mi ’na gnos, agus chuir i air a muin mi, far an robh mi na bu choltaiche ri duine marbh na ri duine beo. Dh’ fhalbh i leam, agus cach ’ga leantuinn, agus cha do stad i gus an d’ rainig i monadh ard far an do leig i as mi air an talamh. Cha bu luaithe a leig i as mi na dh’ fhalbh i fhein ’s cach, agus dh’ fhag iad an sid mi. Is gann a thuigeas duine sam bith an suidheachadh anns an robh mi. Bha mi ’n duil fad na h-uine gur e bruadar a bha mi ’faicinn. An uair a bha mi greis mhath ’nam shineadh, agus a chunnaic mi gu’n d’ fhalbh iad, dh’ eirich mi, agus ciod a b’ iongantaiche leam na mi fhein fhaotainn air mullach monaidh a bha ard, farsuinn, agus a bha comhdaichte le cnamhan agus le fiaclan elefant. Tha mi ’g aideachadh gu’n do chuir an sealladh so gu moran smaointean mi. Chuir an gliocas a bh’ anns na h-ainmhidhean moran ioghnaidh orm. [TD 41] CAIB. XIV. CHA robh teagamh agam nach b’ e so an t-ait adhlacaidh aca, agus gu’n do ghiulain iad ann mi a chum gu’n tugadh iad orm a thuigsinn gu’m bu choir dhomh sgur a bhith ’g am marbhadh, o nach robh dhith orm ach am fìaclan. Gun dail sam bith thug mi m’ aghaidh air a’ bhaile, agus an deigh dhomh a bhith coiseachd latha ’s oidhche, rainig mi taigh mo mhaighstir. O nach do thachair aon elefant rium air an t-slighe, smaoinich mi gu’n deachaidh iad gu math fada ’steach do ’n choille, agus mar sin gu’m faodainn tilleadh air ais do ’n bheinn gun fhiamh gun eagal. Cho luath ’s a chunnaic mo mhaighstir mi, thuirt e, “A Shindbaid bhochd, is ann orm a bha ’n dragh-inntinn mu d’ dheidhinn. Bha eagal orm gu’n d’ eirich beud dhut. Bha mi anns a’ choille, agus thug mi an aire gu’n robh craobh air a h-ur-spionadh as an talamh, agus fhuair mi am bogha-saighead agus na saighdean a bh’ agadsa air an talamh faisge oirre. Bha mi ’g ad shireadh air feadh na coille gus an robh mi seachd sgith. Mu dheireadh thug mi duil thairis gu’m faicinn bu brath thu. Innis dhomh, guidheam ort, cia mar a sheachainn thu am bas.” Dh’ innis mi dha a’ h-uile car mar a dh’ eirich dhomh, agus ghabh e ioghnadh gu leor; ach is gann a bha e ’gam chreidsinn. Gu math moch ’s a’ mhadainn an la-ar-na-mhaireach, chaidh sinn le cheile do ’n bheinn, agus bha aoibhneas mor air an uair a chunnaic e gu’n robh an naigheachd a dh’ innis mi dha fior. Chuir sinn uiread ’s a b’ urrainn i ’ghiulan de na fiaclan a bha sgaoilte air a’ mhonadh air muin na h-elefant, agus thill sinn dhachaidh. An sin thuirt e rium, “A bhrathair, o ’n a fhuair thu ’mach doigh leis am bi mise gle shaoibhir, cha bhi thu ’na [TD 42] do thraill agam tuilleadh. Gu’n tugadh Dia dhut gach sonas agus soirbheachadh a chi e feumail dhut. Tha mi ’na lathair-san gu follaiseach a’ toirt do shaorsa dhut. Cheil mi ort gus a so an ni a tha mi nis a’ dol o dh’ innseadh dhut. “Tha daoine againn a’ sealg nan elefant a h-uile bliadhna ’chum gu’m faigh sinn na fiaclan aca; ach a dh’ aindeoin cho tric ’s a tha sinn ’gan cur air am faicill, tha na creutairean cuilibheartach so ’g am marbhadh Shaor Dia thusa uapa. Tha so ’na chomharradh gu’m bheil tlachd aige dhiot, agus gu’m bheil do sheirbhis feumail dha anns an t-saoghal. Chuir thu fortan mor ’n am rathad-sa. Cha robh doigh againn roimhe so air ibhiri fhaotainn gun bheatha ar cuid sheirbhiseach a chur ann an cunnart. Ach a nis tha ar baile gu leir air a dheanamh saoibhir air do shailleamh-sa. Na bi ’smaointean gu’m bheil mise ’cumail am mach gu’m bheil thu air do lan-phaigheadh air son na rinn thu de mhath dhomh an uair a tha mi ’toirt do shaorsa dhut; bheir mi dhut mar an ceudna cuid mhath de shaoibhreas. Dh’ fhaodainn ’toirt air muinntir a’ bhaile gu leir fortan a chur cruinn dhut, ach cumaidh mi agam fhein an cliu air son a dheanamh.” Mar fhreagairt do na briathran taitneach so thuirt mi, “A mhaighstir, gu’n gleidheadh Dia thu. Tha mi ’meas gu’m bheil mi paighte gu leor air son na rinn mi de mhath dhut an uair a tha thu ’toirt dhomh mo shaorsa. Cha ’n ’eil mi ’g iarraidh ort an corr a thoirt dhomh, ach a mhain gu’n leig thu leam tilleadh do m’ dhuthaich fhein.” “Gle cheart,” ars’ esan; “an uair a thig soirbheas fabharrach, thig luingeis an so a dh’ iarraidh ibhiri, agus faodaidh tu falbh dhachaidh ann an te dhiubh. Paighidh mi fhein d’ fharadh dhachaidh.” Thug mi taing dha a chionn gu’n d’ thug e dhomh mo shaorsa, agus gu’n do nochd e dhomh caoimhneas is curantas mor. [TD 43] Dh’ fhan mi comhladh ris gus an d’ thainig na luingeis. Chaidh sinn iomadh uair do ’n bheinn a dh’ iarraidh na h-ibhiri. Mu dheireadh lion sinn na taighean-stoir gu leir leatha. Fhuair marsantan eile a’ bhaile fios gu’n robh moran ibhiri anns a’ bheinn, agus chaidh iadsan g’ a h-iarraidh mar an ceudna. Mu dheireadh thainig aireamh mhath loingeas do ’n bhaile-phuirt. Rinn mi deiseil gus a dhol air bord anns an luing a roghnaich mo mhaighstir dhiubh. Leith-luchdaich e dhomh i le ibhiri. Chuir e biadh air bord dhomh, agus thug e dhomh mar an ceudna mar thiodhlac iomadh ni dhe na rudan bu luachmhoire, agus a b’ annasaiche a bha ri ’m faotainn anns an duthaich. An uair bha mi ’dol air bord, thug mi mile taing dha air son gach fabhar a rinn e rium. Sheol sinn; agus cha b’ urrainn mi gun bhith ’smaointean gu math tric air mo thurus do ’n aite, agus air an doigh anns an d’ fhuair mi mo shaorsa. Stad sinn car uine aig caochladh eileanan gu biadh ’s uisge a thoirt air bord. An uair a rainig sinn baile-puirt araidh a bh’ air tir-mor nan Innsean, chaidh mi gu tir, agus thug mi leam gu tir an ibhiri agus gach ni eile a bh’ agam air bord; oir cha robh toil agam a dhol air an luing do Bhalsora idir, air eagal gu’m faodadh long-spuinnidh tachairt ruinn. Reic mi an ibhiri anns a’ bhaile so, agus fhuair mi suim anabarrach mor air a son. An uair a cheannaich mi iomadh ni annasach a bha mi gus a thoirt do m’ chairdean mar thiodhlac an uair a ruiginn dhachaidh, agus a fhuair mi gach deisealachd a bha dhith orm air son mo thuruis, dh’ fhalbh mi dhachaidh ann an cuideachd mharsantan a bha ’gabhail an aoin rathaid rium. [TD 44] Bha mi uine mhor air an rathad dhachaidh; agus ged a dh’ fhuiling mi saruchadh is uidil gu leor fad an rathaid, ghiulain mi gu foighidneach leotha, o ’n a bha mi saor o na cunnartan lionmhor a bha ’tachairt rium air na tursan eile a bha mi air falbh. An deigh a h-uile sgios a dh’ fhuiling mi, rainig mi Bagdad mu dheireadh gu sabhailte. Gun dail sam bith chaidh mi far an robh ’n righ, agus dh’ innis mi dha a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh. Thuirt e rium gu’n robh e fo iomaguin mhoir mu m’ dheidhinn o ’n a bha mi cho fada gun tilleadh, agus gu’n robh e an comhnuidh an dochas gu’n gleidheadh Dia mi o gach cunnart. An uair a dh’ innis mi dha mar a thachair dhomh an uair a chuireadh a shealg nan elefant mi, ghabh e ioghnadh gu leor, agus mur b’ e gu’n robh fhios aige nach innsinn breug, cha chreideadh e mi. Leis cho math ’s a chord mo naigheachdan ris, thug e ordugh gu’m biodh iad uile air an sgriobhadh, agus air an tasgadh gu curamach anns an taigh-ionmhais. Thill mi dhachaidh, agus mi gle riaraichte leis an doigh anns an do ghabh an righ rium, agus leis an urram ’s leis na tiodhlacan a thug e dhomh. ’Na dheigh sin bha mi ’cur seachad na h-uine maille ri m’ theaghlach, ri m’ luchd-daimh, agus ri m’ chairdean.” An uair a chuir Sindbad crioch air na bh’ aige ri innseadh mu dheidhinn mar a thachair dha air an t-seachdamh turus a bha e air falbh, thuirt e ri Hindbad, “Seadh, a charaid, an cuala tu mu neach riamh a dh’ fhuiling uiread ’s a dh’ fhuiling mise, no a chaidh troimh leithid de chunnartan ’s de ghabhaidhean ’s a chaidh mise? Nach ’eil e reusanta, an deigh na chaidh mi throimhe, gu’m bithinn a nis a’ caitheamh mo bheatha gu foisneach agus gu taitneach?” [TD 45] An uair a thuirt e so, thainig Hindbad dluth dha, agus an uair a thug e pog dha laimh, thuirt e, “Tha mi ag aideachadh gu’n deachaidh sibh troimh chunnartan eagalach; ged a tha mo thrioblaidean-sa mor, cha ’n ’eil iad ri bhith air an coimeas ris na trioblaidean troimh ’n deachaidh sibhse. Ma tha mise ’fulang amhghair car uine, tha e ’na thoileachadh dhomh gu’m bheil fhios agam gur ann a chum mo bhuannachd a tha iad. Cha ’n e mhain gu’n bheil sibhse airidh air a bhith ’caitheamh bhur beatha ann am fois ’s an samhchair, ach tha sibh mar an ceudna airidh air an t-saoibhreas mhor a tha sibh a’ mealtainn, do bhrigh gu’m bheil sibh a’ deanamh feum math dheth. Air an aobhar sin, guidheam dhuibh saoghal fada an deagh bheatha, agus bas sona.” Thug Sindbad dha ceud bonn oir eile, ghabh e e mar aon dhe ’chairdean, agus dh’ iarr e air sgur dhe ’n phortaireachd, agus tighinn a h-uile latha comhladh ris thun dhinnearach, a chum gu’m biodh cuimhne aige air Sindbad, an Seoladair, fad uile laithean a bheatha. NA TRI UBHLAN. CAIB. I. MAR a dh’ ainmicheadh anns na sgeulachdan a dh’ aithriseadh mar tha, bha e mar chleachdadh aig Righ Haroun Alraschid a bhith ’ga chur fhein as aithne, agus a bhith ’dol am mach air feadh sraidean a bhaile air an oidhche, a chum gu’m faiceadh e cia mar a bha ’n sluagh a bha fo’ riaghladh ’g an gluasad fhein. Air latha araidh thug e aithne do Ghiafar an t-ard-chomhairleach, tighinn do ’n luchairt an uair a thuiteadh an oidhche. [TD 46] “Ard-chomhairleach,” ars’ esan, “theid mi air feadh a’ bhaile feuch am faigh mi am mach ciod a bhios an sluagh ag radh, agus gu h-araidh feuch an cluinn mi ciod a’ bharail a th’ aig sluagh a’ bhaile air an luchd-riaghlaidh a shuidhich mi os an cionn. Ma bhios neach sam bith ann nach ’eil a’ deanamh ceartais ris an t-sluagh, cuiridh sinn duine freagarrach ’na aite. Air an laimh eile, ma tha meas mor aig an t-sluagh air fear sam bith, bheir sinn urram dha, ma bhios e airidh air.” Aig an uair shuidhichte thainig Giafar, an t-ard-chomhairleach, do ’n luchairt, agus an uair a chuir e fhein, agus an righ, agus Mesrour, an t-ard-chaillteanach, iad fhein as aithne, dh’ fhalbh iad ’n an triuir comhladh air feadh a’ bhaile. Choisich iad troimh earrann mhath dhe ’n bhaile; agus an uair a rainig iad sraid chaol, chunnaic iad, le solus na gealaich, duine mor, ard, agus feusag gheal air, agus e ’giulan pasg lion air mullach a chinn, agus cuaille mor bata ’na laimh. “Cha ’n ’eil e coltach gu’m bheil an seann duine so beairteach,” ars’ an righ; “theid sinn far am bheil e, feuch am faigh sinn am mach mu ’shuidheachadh.” “A dhuine choir,” arsa Giafar, “co thu?” Fhreagair an seann duine, agus thuirt e, “Is iasgair mi, le ’r cead, ach tha mi air aon cho bochd ’s a th’ anns a’ bhaile. Dh’ fhalbh mi ’dh’ iasgach mu mheadhain latha, agus cha d’ fhuair mi deargadh o ’n uair sin. Ged a tha bean is clann agam, cha ’n ’eil dad agam a chumas suas iad.” Ghabh an righ truas ris an iasgair, agus thuirt e ris, “Am bheil de mhisnich agad na theid air ais thun na h-aimhne agus na chuireas na lin aon uair eile? Bheir sinn dhut ceud bonn oir air son rud sam bith a bheir thu air tir leis na lin.” [TD 47] An uair a chual’ an t-iasgair so, ged a bha e gle sgith an deigh a shaoithreach fad an latha, ghabh e an righ aig ’fhacal, agus thill e thun na h-aimhne. Lean an righ agus Giafar agus Mesrour e. Bha ’n t-iasgair ag radh ris fhein, “Bheir na daoine uaisle so duais dhomh air son mo shaoithreach; oir tha coltas orra bhith ’nan daoine reusanta, onarach. Agus ma bheir iad dhomhsa aon bhonn oir, bidh mo shaothair paighte gu leor.” An uair a rainig iad bruaich na h-aimhne, chuir an t-iasgair na linn, agus an uair a tharruinn e gu tir iad, bha ciste throm aige annta, agus i glaiste. Dh’ aithn an righ do Ghiafar an ceud bonn oir a thoirt do ’n iasgair, agus a chur air falbh dhachaidh. Thug an righ air Mesrour a’ chiste thoirt leis air a ghualainn do ’n luchairt. Agus bha leithid de thoil aig an righ fios fhaotainn ciod a bh’ anns a’ chistidh ’s gu’n do thill iad do ’n luchairt cho cabhagach ’s a b’ urrainn daibh. An uair a dh’ fhosgladh a’ chiste, fhuair iad bascaid innte, agus anns a’ bhascaid bha corp boirionnaich a bha anabarrach briagha, agus e air a ghearradh ’na phiosan. Rud nach b’ ioghnadh, chuir an sealladh so uamhas orra, gu sonraichte air an righ. Anns a’ mhionaid las e le feirg, agus thuirt e ris an ard-chomhairleach, “A chreutair shuaraich, cia mar a tha thu ’leigeadh le leithid so de chuis uamhais a bhith ’dol air aghart am measg mo shluaigh-sa, agus a leigeadh leotha bhith ’tilgeadh nan corp anns an amhainn, a chum gu’n glaodhar dioghaltas ’n am aghaidh-sa aig latha bhreitheanais? Mur grad chuir thu mortair a’ bhoirionnaich so gu bas, tha mi ’mionnachadh air neamh gu’n teid thu fhein agus da fhichead dhe do luchd-daimh a chrochadh gun dail.” “A Cheannaird nan creidmheach,” arsa Giafar, “tha mi ’guidhe oirbh uine a thoirt dhomh a chum gu’n dean mi rannsachadh mu dheidhinn a’ mhort so.” [TD 48] “Cha toir mi dhut a dh’ uine ach tri latha,” ars’ an righ; “feumaidh tu am mortair a chur gu bas anns an uine sin.” Chaidh Giafar dhachaidh agus ’intinn gu mor troimh a cheile. “Ochan! cia mar a tha e comasach dhomhsa,” ars’ esan, “greim fhaotainn air mortair am measg na bheil de mhor-shluagh ann am bhaile Bhagdad? Is docha gu’n d’ rinn e am mort gun duine ’ga fhaicinn, agus ma dh’ fhaoidte gu’n d’ fhalbh e as a’ bhaile roimhe so. Is iomadh fear a bhiodh ’nam aite a dheanadh greim air fear dhe na daoine truagha a th’ ann am priosan, agus a chuireadh gu bas e gus an righ a thoileachadh; ach cha dean mi ainneart air mo chogais le leithid de ghniomh eucorach a dheanamh. Is fhearr leam am bas fhulang na bhith ciontach dhe leithid de ghniomh.” Thug e ordugh teann do na maoir mion-rannsachadh a dheanamh air son an duine a rinn am mort. Chaidh iad fhein ’s an cuid sheirbhiseach a rannsachadh mu’n chuis air feadh a’ bhaile; oir bha fhios aca gu’n rachadh iad fhein ’s an t-ard-chomhairleach a chur gu bas mur faigheadh iad greim air a’ mhortair. Ach cha robh dad aca air son an saoithreach. A dh’ aindeoin na rinn iad cha b’ urrainn daibh greim fhaotainn air a’ mhortair. Thuig an t-ard-chomhairleach gu’n robh e air thuar a’ bheatha chall na ’s lugha na thachradh ni eiginn ann an cursa ’n fhreasdail a bheireadh fuasgladh dha. An ceann an treas latha thainig maor o ’n righ e cuireadh a dh’ ionnsuidh an ard-chomhairlich ag iarraidh air a dhol far an robh e gun dail. An uair a rainig e thuirt an righ ris, “An d’ fhuair thu greim air a’ mhortair?” Fhreagair esan, agus e ’sileadh nan deur, “A Cheannaird nan creidmheach, dh’ fhairtlich orm aon neach fhaotainn a bheireadh dhomh am fiosrachadh bu lugha m’ a dheidhinn.” [TD 49] Bha ’n righ lan feirge agus corruich an uair a chual’ e so, agus labhair e ann am briathran anabarrach taireil ris an ard-chomhairleach, agus dh’ ordaich e gu’m biodh e air a chrochadh maille ri da fhichead dhe luchd-daimhe aig geata na luchairt. Gun dail sam bith rinneadh croich deiseil air son gach fir dhiubh, agus dh’ ordaicheadh an grad ghlacadh. Le ordugh an righ, chuireadh fear air feadh sraidean a’ bhaile a ghlaodhaich mar so:—“Iadsan aig am bheil toil Giafar, an t-ard-chomhairleach, fhaicinn ’g a chrochadh, maille ri da fhichead dhe luchd-daimh, thigeadh iad do ’n chuirt a tha air beulaobh na luchairt.” An uair a bha gach ni deiseil, thugadh am mach an t-ard-chomhairleach agus an da fhichead eile a bha gu bhith air an crochadh maille ris, agus chuireadh gach fear dhiubh ’na sheasamh aig bonn na croiche, agus chuireadh tobha na croiche mu’n amhaich. Cha b’ urrain do ’n aireamh mhor shluaigh a chruinnich a dh’ fhaicinn a’ chrochaidh gun a bhith ri caoidh ’s ri sileadh dheur an uair a chunnaic iad an sealladh bronach so; oir bha ’n t-ard-chomhairleach agus na daoine eile a bha gu bhith air an crochadh maille ris fo mhiadh agus fo mhor meas aig an t-sluagh gu leir air son cho ceart, cho fialaidh, agus cho neo-eismeileach ’s a bha iad, cha b’ ann a mhain ri sluagh Bhagdad, ach mar an ceudna ri sluagh na rioghachd gu leir. Cha robh ni sam bith a chumadh an righ air ais o chur an orduigh a thug e seachad an gniomh; agus bha beatha nan daoine cho measail ’s cho urramach ’s a bh’ anns a bhaile air thuar a bhith air a toirt air falbh. Anns an am thainig duine og, maiseach, air an robh eideadh math, le cabhaig a steach troimh ’n chuideachd, agus ghabh e direach far an robh an t-ard-chomhairleach. Agus an uair a thug e pog dha laimh, thuirt e, “Ard- [TD 50] chomhairlich ro oirdhearc, a cheannaird mhaithean na cuirte, a chomhfhurtair nam bochd, cha ’n ’eil thu ciontach dhe ’n eucoir a th’ air a chur as do leith. Bi falbh a so, agus leig leamsa dioladh a thoirt seachad air son bas na mna uaisle a thilgeadh do ’n amhainn. Is mise a mhort i, agus tha mi toillteannach air a’ bhas fhulang air a son. Ged a thug na briathran aobhar gairdeachais ro mhor do ’n ard-chomhairleach, gidheadh cha b’ urrainn e gun truas a bhith aige ris an duine og; oir bha sealladh a ghnuis a’ nochdadh gu’m bu duine e air nach robh coltas uilc no aingidheachd. Ach an uair a bha e ’dol ’ga fhreagairt, thainig duine ard, a bha greis mhath aoise le cabhaig a steach troimh ’n t-sluagh far an robh e, agus thuirt e, “Na toir creideas sam bith do na bheil an duine ag so ag innseadh dhut. Is mise a mhort am boirionnach a fhuaradh anns a’ chiste, agus is ann agam a tha coir air dioladh a thoirt seachad air son a bais. Tha mi ’guidhe ort ann an ainm Dhe nach cuir thu an neo-chiontach gu bas an aite a’ chiontaich. “Le’r cead,” ars’ an duine og ris an ard-chomhairleach, “tha mise ag innseadh dhuibh le fìrinn gur e mi-fhein a rinn an gniomh graineil so, agus nach robh lamh aig duine sam bith eile ann.” “A mhic,” ars’ an seann duine, “is e eudochas a thug an so thu, agus tha mhiann ort am bas fhaotainn roimh ’n am. Tha mise fada gu leor beo anns an t-saoghal so, agus tha ’n t-am agam a nis a bhith ’falbh as; leig leam, air an aobhar sin, mo bheatha ’thoirt suas an aite do bheatha-sa.” Thuirt an duine og a rithist ris an ard-chomhairleach, “Tha mi ’g innseadh dhuibh aon uair eile gur mi a mhort am boirionnach; cuiribh gu bas mi gun an corr a bhith m’ a dheidhinn.” An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach an connsachadh a bh’ eadar an seann duine agus an duine og, thug e [TD 51] ordugh, le aonta an ard-bhreitheamh, an toirt le cheile an lathair an righ, agus dh’ fhalbh e fhein comhladh riutha. An uair a sheas e an lathair an righ, phog e an talamh seachd uairean, agus labhair e ris an righ air an doigh so—“A Cheannaird nan creidmheach, thug mi an lathair bhur morachd an seann duine agus an duine og so. Tha Tha gach fear dhiubh ag aideachadh gur e fhein a mhort am boirionnach agus thilg do ’n amhainn i. Thuirt an duine og gur e fhein a mhort i, ach bha ’n seann duine ag radh nach b’ e. “Is mise a mhort i,” ars’ an seann duine. “Bi falbh gu grad, ars’ an righ ris an ard-chomhairleach, “agus croch le cheile iad.” “Le ’r cead,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “mur ’eil ciontach ach fear dhiubh, cha ’n ’eil e ceart an crochadh le cheile.” An uair a chual’ an duine og na briathran so, labhair e rithist, agus thuirt e:—“Tha mi mionnachadh air an Dia mhor a chruthaich na neamhan agus talamh gur mi mhort am boirionnach, a ghearr ’na h-earrannan i, agus a thilg do ’n amhainn i ceithir latha roimhe so. Tha mi ’cur cul ri sonas am measg nam firean air latha ’bhreitheanais mur ’eil a h-uile facal a tha mi ’g radh fior; air an aobhar sin, is ann domh is coir am bas fhulang.” Ghabh an righ ioghnadh an uair a chual’ e na mionnanan so, agus chreid e gu’n robh an fhirinn aig an duine og, gu sonraichte o ’n a dh’ fhan an seann duine ’na thosd. CAIB. II. THIONNDAIDH an righ ris an duine og, agus thuirt e, “A chreutair thruaillidh, ciod e ’thug ort an cionta graineil ud a chur an gniomh? Agus ciod e ’tha toirt ort a bhith cho deonach am bas fhulang air a shon. [TD 52] “A Cheannaird nan creidmheach,” ars’ esan, “nam biodh gach ni a bh’ eadar mise agus a’ bhean-uasal ud air a chur sios ann an sgriobhadh, bhiodh e ’na eachdraidh a bhiodh gle fheumail do dhaoine eile.” “Tha mi ’g ordachadh dhut an eachdraidh innseadh gun tuilleadh dalach,” ars’ an righ. Mar umhlachd do ’n righ thoisich an duine og ri innseadh na h-eachdraidh mar a leanas:— A Cheannaird nan creidmheach, b’ i a’ bhean-uasal a mhort mi, mo bhean fhein. B’ i nighean bhrathar m’ athar—nighean an t-seann duine so a tha sibh a’ faicinn comhladh rium. Cha robh i thar da bhliadhna dheug an uair a phos mi i, agus tha aona bliadhna deug o ’n uair sin. Fhuair mi triuir mhac uaipe, agus tha iad fhathast beo. Agus feumaidh mi radh le firinn nach d’ thug i riamh an t-aobhar oilbheum bu lugha dhomh. Bha i banail, agus gle mhaiseach ’na giulan, agus rinn i gach ni a ghabhadh deanamh gus mo thoileachadh. Agus air mo shon fhein dheth, bha gradh mor agam dhi, agus b’ e mo mhiann a toileachadh anns gach doigh, agus gach ni a b’ aill leatha thoirt dhi. O chionn da mhios dh’ fhas i tinn. Ghabh mi curam mor dhi, agus fhuair mi gach ni a shaoilinn a bhiodh feumail a chum slainte a thoirt dhi. An deis dhi a bhith mios tinn, thoisich i ri dhol na b’ fhearr, agus bha toil aice ’dhol do ’n taigh-fharagaidh. Mu ’n d’ fhalbh i, thuirt i rium gu’n robh miann aice air ubhlan. “Nam faigheadh tu feadhainn dhomh,” ars’ ise, “bhithinn fada ’na d’ chomain. Tha miann agam orra o chionn fada; agus feumaidh mi aideachadh, mur faigh mi iad gun dail, gu’m bheil eagal orm gu’n eirich mi-fhortan air choireiginn dhomh.” “Le m’ uile chridhe,” arsa mise, “ni mi gach ni ’nam chomas a chum do thoileachadh.” [TD 53] Gun dail sam bith dh’ fhalbh mi feuch am faighinn ubhlan dhi; agus cha d’ fhag mi maragadh no buth anns a’ bhaile gun siubhal ’g an iarraidh, ach cha ’n fhaighinn a h-aon ged a bha mi ’tairgseadh bonn oir air son a h-uile te. Thill mi dhachaidh agus mi gle mhi-thoilichte a chionn nach deachaidh mo ghnothach leam. Agus an uair a thill mo bhean as an taigh-fharagaidh, agus a chunnaic i nach robh ubhlan agam dhi, dh’ fhas i cho neo-fhoiseil ’s nach d’ rinn i norradh cadail an oidhche sin. Dh’ eirich mi gu math moch ’s a’ mhadainn, agus chaidh mi air feadh nan garaidhean gu leir; ach cha robh dad agam air son mo shaoithreach. Ach thachair seana gharadair rium a dh’ innis dhomh nach robh ubhlan ri ’m faighinn na ’s lugha na gheibhinn iad anns na garaidhean agaibh fhein, a righ, ann am Balsora. O ’n a bha gradh mor agam do m’ mhnaoi, agus air eagal gu’n saoileadh i gu’n robh mi suarach m’ a deidhinn, thog mi orm, agus, an deigh dhomh a ni a bha ’nam bheachd innseadh dhi, dh’ fhalbh mi gu ruige Balsora a dh’ iarraidh ubhlan. O ’n a bha cabhag orm, cha tug mi ach coig latha deug eadar falbh is tighinn. Cha d’ fhuair mi ach tri ubhlan, agus thug mi bonn oir an te orra. O nach robh ri fhaighinn ach na tri, cha tugadh an garadair dhomh iad na bu shaoire. Cho luath ’s a thainig mi dhachaidh thug mi na h-ubhlan do m’ mhnaoi. Ach o ’n a bha miann nan ubhlan air falbh dhi, cha d’ rinn i ach breith orra as mo laimh, agus an cur ri ’taobh. Bha a tinneas ’g a leantuinn agus cha robh fhios agam ciod e an doigh air am faighinn leigheas dhi. Beagan laithean na dheigh so bha mi ’nam shuidhe anns a’ bhuthaidh far an robh mi reic a h-uile seorsa bathair a’s luachmhoire na cheile, agus thainig duine-dubh cho granda ’s a chunnaic mi riamh a steach far an robh [TD 54] mi agus ubhal aige na laimh. Dh’ aithnich mi gur e te dhe na h-ubhlan a thug mi a Balsora a bh’ ann, oir bha fhios agam nach robh aon ubhal ri fhaotainn ann am Bagdad, no ann an aon dhe na garaidhean. “Innis dhomh,” arsa mise, “c’aite an d’ fhuair thu ’n ubhal sin.” Rinn e gaire, agus thuirt e, “Fhuair mi e o mo leannan. Chaidh mi dh’ amharc oirre an diugh, agus gu cinnteach cha robh i air a doigh. Chunnaic mi tri ubhlan ri ’taobh, agus dh’ fheoraich mi dhi c’ aite an d’ fhuair i iad. Thuirt i rium gu’n deachaidh am fear a tha posda rithe gu ruige Balsora g’ an iarraidh, agus gu’n d’ thug e coig latha deug eadar falbh is tighinn. Ghabh sinn biadh comhladh, agus an uair a bha mi ’gabhail mo chead dhi, thug mi leam an t-ubhal so.” Chuir na briathran so bhar mo shiuil mi buileach glan. Dhuin mi ’bhuth, agus ruith mi dhachaidh cho luath ’s a b’ urrainn dhomh, agus an uair a chaidh mi do ’n t-seomar anns an robh ’bhean, sheall mi feuch am faicinn na h-ubhlan. Cha robh ann ach an dithis, agus dh’ fheoraich mi dhi ciod a dh’ eirich do ’n treas fear. Thionndaidh mo bhean a h-aghaidh an taobh a bha na h-ubhlan, agus an uair a chunnaic i nach robh ann ach an dithis, fhreagair i mi gu leith shuarach, agus thuirt i, “Cha ’n ’eil fhios agamsa ciod a dh’ eirich dha.” An uair a chuala mi so chreid mi gu’n robh an naigheachd a dh’ innis an duine-dubh dhomh fior gu leor. Aig an am bha mi air a’ chaothach dhearg le eud, agus thug mi lamh air an sgian a bha fo m’ chrios, agus ghearr mi an sgornan aice. ’Na dheigh sin thug mi dhith an ceann, agus ghearr mi i ’na ceithir cheathrannan. Agus an uair a phaisg mi ann an aodach i chuir mi ann am bascaid i, agus an uair a thainig an oidhche, dh’ fhalbh mi leis a’ chiste air mo ghualainn, agus chuir mi fodha anns an amhainn i. [TD 55] Bha ’n dithis a b’ oige dhe ’n chloinn ’nan cadal, ach bha am fear bu shinne am muigh; agus an uair a thill mi fhuair mi e ’na shuidhe aig a’ gheata, agus e sior chaoineadh. An uair a dh’ fheoraich mi dheth ciod a bha cur dragh air, thuirt e, “Athair, ’s a’ mhadainn an duigh, thug mi leam gun fhios do m’ mhathair an treas fear dhe na h-ubhlan a thug sibhse uice, agus chum mi e uine mhath; ach an uair a bha mi cluichadh air an t-sraid comhladh ri mo bhrathair mu aird-fheasgair, thug duine-dubh a bha ’dol seachd as mo laimh e. Ruith mi as a dheigh, agus dh’ iarr mi air an t-ubhal a thoirt dhomh. Agus a bharrachd air sin, dh’ innis mi dha, gur ann le m’ mhathair a bha e, agus gu’n robh i ’na laidhe tinn, agus gu’n deachaidh sibhse a dh’ aon ghnothach a dh’ iarraidh nan tri ubhlan dhi, agus gu’n d’ thug sibh coig latha deug eadar falbh is tighinn; ach ged a dh’ innis mi so dha, cha tugadh e dhomh an t-ubhal air ais. Agus o ’n a bha mi ’g a shior leantuinn, agus mi ’caoineadh, thionndaidh e agus ghabh e orm, agus ruith e air falbh cho luath ’s a b’ urrainn da, gus mu dheireadh an deachaidh e as mo shealladh. Tha mi o ’n uair sin a’ coiseachd an taobh am muigh dhe ’n bhaile an duil gu’m faicinn a’ tighinn sibh a chum gu’n iarrainn oirbh gun innseadh do mo mhathair gu’n d’ thug mi leam an t-ubhal, air eagal gu’n cuir e dragh oirre.” An uair a thuirt e so, thoisich e ri caoineadh na bu ghoirte na bha e roimhe. Chuir briathran mo mhic dragh thar tomhas orm. Chunnaic mi gu’n robh mi ciontach de ghniomh a bha uamhasach graineil. Agus bha aithreachas mor orm a chionn gu’n do chreid mi na breugan tuaileasach a dh’ innis an duine-dubh dhomh, agus a thog e air mo mhnaoi air bhonn nam briathran a dh’ innis mo mhac dha. [TD 56] Anns an am thainig brathair m’ athar a dh’ fhaicinn a nighinn; ach an aite a faotainn, thuig e o na labhair mi ris gu’n robh i marbh; oir cha do cheil mi ni sam bith air. Agus gun fheitheamh gus an geur-chronaicheadh e mi, dh’ aidich mi ’s a’ mhionaid ’na lathair, gur mi duine cho cionntach ’s a th’ air uachdar an t-saoghail. An uair a chuala e an aidmheil a rinn mi, an aite bagradh orm gu geur, mar a dh’ fhaodadh e dheanamh, is ann a thoisich e ri gul ’s ri caoidh comhladh rium. Bha sinn a’ gul maille ri ’cheile fad thri latha gun stad. Bha esan a’ gul a chionn gu’n do chaill e nighean a bha caomh, ionmhuinn leis aig gach am, agus bha mise ’gul a chionn gu’n do chaill mi bean do ’n robh gradh mor agam, ach a chuir mi fhein gu bas ann an doigh chruaidh-chridheach, do bhrigh gu’n d’ thug mi creideas do naigheachd bhreugaich a dh’ innis traill de dhuine-dubh dhomh. So ma ta, a cheannaird nan creidmheach, aidmheil fhior mar a dh’ aithn sibh dhomh a dheanamh. Chuala sibh a nis gach ni mu thimchioll na cionta a tha ’nam aghaidh, agus tha mi gu h-umhail a’ ghuidhe oirbh gu’n ordaich sibh peanas dligheach a dheanamh orm air a shon. Ciod air bith cho trom ’s a bhitheas e cha ghearain mi air. Chuir na dh’ innis an duine og dha ioghnadh mor air an righ. Ach air dha bhith ’na righ cothromach, bha e na bu deonaiche truas a ghabhail de ’n duine og na ’dhiteadh gu bas. “Tha cionta an duine oig so,” ars’ esan, “mor da rireadh; ach bheir Dia mathanas dha, agus is coir do dhaoine mathanas a thoirt dha mar an ceudna. Is e an traill aingidh bu mhathair-aobhair air a’ mhort—is esan na ’aonar air am feumar peanas a dheanamh. Air an aobhar sin, ars’ esan, ’s e ’g amharc air an ard-chomhairleach, tha mi toirt dhut uine thri latha gu greim a dheanamh air; agus mur toir thu ’nam lathair-sa e anns an uine sin, cuirear thu fhein gu bas ’na aite.” [TD 57] Ged a bha duil aig Giafar bochd gu’n robh e ’mach a cunnart, bha e fo iomacheist ro mhor an uair a thug an righ an t-ordugh ur so dha; ach cha bu dana leis freagairt a thoirt air an righ, oir bha lan fhios aige gu’n robh e gle chas. Dh’ fhalbh e a lathair an righ, agus thill e dhachaidh fo bhron ’s fo lionn-dubh, agus e ’g a dheanamh fhein cinnteach nach robh de shaoghal aige ach tri latha; oir bha e cho cinnteach ’na inntinn fhein nach fhaigheadh e greim air an traill ’s nach d’ rinn e farraid sam bith m’ a dheidhinn. “Am bheil e comasach,” ars’ esan, “gu’m faighteadh forofhais air an fhear a tha ciontach am meag nan ceudan a tha dhe cheart sheorsa ann am Bagdad? Mur e toil Dhe an traill a chur ’nam rathad mar a rinn e air a’ mhortair, cha ’n ’eil e ’n comas dhomhsa mo bheatha ’shabhaladh.” Chuir e seachad a cheud da latha ri bron ’s ri caoidh maille ri ’theaghlach, agus ri gearain air cho cruaidh s cho mi-reusanta ’s a bha ordugh an righ. An uair a thainig an treas latha, thoisich e ri deanamh deiseil air son a’ bhais. Bha e ’na dhuine a bha ceart, cothromach, dileas ’na dhreuchd, agus o ’n a bha sith cogais aige, cha robh eagal air am bas ’fhulang. Chuir e fios air sgriobhadairean agus air fianuisean a chum gu’n deanadh e ’thiomnadh ’n an lathair. ’Na dheigh sin, ghabh e ’chead de ’n mhnaoi ’s dhe ’n chloinn, agus dh’ fhag e beannachd aca. Bha ’n teaghlach gu leir cho tuirseach ’s cho deurach ’s gu’n cuireadh iad mulad air duine sam bith. Mu dheireadh thainig teachdaire o ’n righ a dh’ innseadh dha gu’n robh e gabhail fadachd nach robh e cluinntinn guth uaithe mu thimchioll an duine a dh’ iarr e air a ghlacadh. “Tha e air aithneadh dhomh,” ars’ an teachdaire, “do thoirt an lathair an righ.” [TD 58] Rinn an t-ard-chomhairleach deiseil gu falbh comhladh ris an teachdaire; ach an uair a bha e ’dol am mach as an taigh, thugadh a nighean a b’ oige, aois choig bliadhna, ’na lathair a chum gu’m fagadh e aice a bheannachd dheireannach. Bha gradh mor aige air an leanabh so, agus ghuidh e air an teachdaire cead a thoirt dha stad mionaid a bhruidhinn rithe. Rug e oirre agus phog e i caochladh uairean. Thug e an aire gu’n robh ni eiginn aice ’na h-uchd as an robh faileadh cubhraidh. “Ciod a th’ agad ’na d’ uchd, a ghaoil,” ars’ esan. “Tha ubhal,” ars’ ise, “air am bheil ainm an righ sgriobhte. Thug ar seirbhiseach, Rihan, dhomh e air son da bhonn oir.” CAIB. III. AN uair a chual’ an t-ard-chomhairleach na briathran so a labhair am paisde ris, ghlaodh e ’mach le ioghnadh agus le aoibhneas; agus an uair a chuir e lamh ann an uchd a’ phaisde, thug e ’mach an t-ubhal as. O ’n a bha Rihan, an seirbhiseach, dluth air laimh, thugadh ’na lathair e gun dail sam bith. “A dhearg shlaoightire,” ars’ esan, “c’aite an d’ fhuair thu an t-ubhal so?” “Mo thighearna, ars’ an seirbhiseach, “tha mi ’toirt mo mhionnan nach do ghoid mi as an taigh agaibhse e, no a garadh an righ; ach an latha roimhe an uair a bha mi ’coiseachd air an t-sraid, thachair triuir no cheathrar chloinne rium a’ cluich. Bha ’n t-ubhal aig fear dhiubh na laimh, agus spion mi uaithe e, agus ghabh mi romham. Ruith am paisde ’nam dheigh, agus thuirt e rium nach b’ ann leis fhein a bha ’n t-ubhal idir, ach gur ann a bha e le ’mhathair. Thuirt e rium mar an ceudna, gu’n robh [TD 59] a mhathair ’na laidhe tinn, agus o ’n a ghabh i miann air ubhlan, gu’n deachaidh ’athair air astar fada ’gan iarraidh, agus gu’n d’ thug e dhachaidh a tri, agus gu’m b’ e an t-ubhal ud fear dhiubh, agus gu’n d’ thug e leis e gun fhios dha mhathair. Bha e ’g a iarraidh orm gus an robh e sgith; ach cha tugainn dha e. Thug mi leam dhachaidh e, agus reic mi air son da bhonn oir e ris an nighinn a’s oige agaibh fhein. Sin agaibh an tul fhirinn mu ’n chuis. Cha b’ urrainn an t-ard-chomhairleach gun ioghnadh a ghabhail air son mar a chuir slaoightearachd an t-seirbhisich bean a bha neo-chiontach gu bas, agus mar a theab e fhein a bheatha ’chall air a shailleamh. Thug e an seirbhiseach leis far an robh an righ, agus dh’ innis e do ’n righ facal air an fhacal mar a thuirt an seirbhiseach ris, agus mar a thachair dha fios fhaotainn gur e ’n seirbhiseach a bha cionntach. Ged a bha ioghnadh anabarrach mor air an righ, an uair a chual’ e an naigheachd a dh’ innis Giafar dha, cha b’ urrainn e cumail air a ghaire. Mu dheireadh an uair a sguir e ’ghaireachdaich, thuirt e, agus gruaim air a ghnuis, o ’n is e an seirbhiseach bu mhathair-aobhair do ’n olc mhor a rinneadh, feumar peanas a dheanamh air a reir a chionta. “Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha mi ’g aideachadh gu’m bheil e ceart gu leor peanas dligheach a dheanamh air, ach tha mi ’smaoineachadh gu’m faoidteadh mathanas a thoirt dha. Tha mi ’cuimhneachadh air naigheachd iongantach a chuala mi mu thimchioll ard-chomhairleach a bha ann an Cairo, do ’m b’ ainm, Nuredin Ali, agus Bedredin Hasan a bh’ ann am Balsora. Agus o ’n a tha tlachd agaibh a bhith cluinntinn naigheachdan dhe ’n t-seorsa, tha mi deas gus a h-innseadh dhuibh, air chumhnanta gu’n toir sibh mathanas do m’ [TD 60] sheirbhiseach, ma shaoileas sibh gu’m bheil i na ’s iongantaiche na ’n naigheachd a chuala sibh mar tha.” “Tha mi toileach eisdeachd ri do naigheachd,” ars’ an righ; “ach tha thu gabhail obair gle dhoirbh os laimh, oir cha ’n ’eil mi ’creidsinn gur urrainn dut naigheachd innseadh a’s iongantaiche na ’n naigheachd mu na h-ubhlan.” An uair a chuala Giafar so, thoisich e ri innseadh a naigheachd mar so:— Anns an am a dh’ fhalbh bha righ air an Eiphit a bha ’na dhuine ceart, iochdmhor, trocaireach, agus fialaidh. Bha e cho treun, cumhachdach ’s gun robh e ’na chulaidh-eagail dha choimhearsnaich gu leir. Bha e caoimhneil ris na bochdan, agus ’na charaid do na daoine foghluimte do ’n robh e ’toirt suidheachadh urramach a reir mar a b’ airidh iad air. Bha ard-chomhairleach an righ so ’na dhuine turail, glic, tuigseach, agus gle fhoghluimte anns gach doigh. Bha dithis mhac aig an ard-chomhairleach so, agus bha iad ’nan daoine anabarrach eireachdail. Bha iad anns gach doigh a’ leantuinn cos-chumannan an athar. B’ e ainm an fhir bu shinne, Shemsedin Mohamed, agus b’ e ainm an fhir a b’ oige, Nuredin Ali. Bha ’m fear a b’ oige gu sonraichte ’na dhuine a bha anabarrach turail, tlachdmhor anns gach doigh. An uair a dh’ eug an athair, chuir an righ fios orra le cheile, agus an uair a thug e orra deise ard-chomhairlich a chur umpa le cheile, thuirt e riutha, “Tha mise cho doilich air son bas bhur n-athar ruibh fhein; agus o ’n a tha fhios agam gu’m bheil sibh a’ fuireach comhladh, agus a’ gradhachadh a cheile, tha mi ’toirt an urram so dhuibh mar aon. Falbhaibh, agus dluth-leanaibh ri cleachdadh bhur n-athar.” Thug an dithis ard-chomhairleach oga so moran taing do ’n righ, agus chaidh iad dhachaidh a chum gach ulluchadh feumail a dheanamh gus an athair adhlacadh. [TD 61] An deigh bas an athar bha iad mios gun dol am mach as an taigh; ’na dheigh sin bha iad a’ dol gu riaghailteach do chuirt an righ an uair a bhiodh feum orra. An uair a bhiodh an righ a’ dol a shealgaireachd, bhiodh fear ma seach dhiubh a’ dol comhladh ris. Air feasgar araidh an deigh dhaibh an suipeir a ghabhail, bha iad greis mhath a’ comhradh ri ’cheile. Thuirt am fear bu shinne ri ’bhrathair, “O nach ’eil a h-aon dhinn posda fhathast, agus o ’n a tha caoimhneas is comunn is gaol cho mor eadrainn, tha smaointean air bualadh ’s a’ cheann agam; posadhmaid le cheile ’s an aon latha, agus taghamaid dithis pheathraichean a teaghlach araidh a bhios freagarrach air ar son,—ciod e do bharail air a’ chuis?” “Feumaidh mi radh, a bhrathair,” arsa Nuredin, “gu’m freagradh sin oirnn gle math; agus air mo shon fhein dheth, tha mi deonach ni sam bith a dheanamh a chi thu fhein iomchuidh.” “Dean air do shocair,” tha tuilleadh agam ri radh,” arsa Shemsedin; “abair gu’n d’ rugadh clann dhuinn ’s an aon latha—mac agadsa, agus nighean agamsa, phosadhmaid ri cheile iad an uair a thigeadh iad gu aois.” “Tha mi ’g aideachaidh,” arsa Nuredin, “gu ’m freagradh sin gle mhath; thairngeadh a leithid de phosadh mise ’s tusa na bu dluithe ri ’cheile na bha sinn riamh, agus tha mi cur mo lan aonta ris.” “Ach, a bhrathair,” ars’ esan, ’s e ’leantuinn air bruidhinn, “na ’n tachradh am posadh, am biodh duil agad ri airgiod fhaighinn uamsa mar chuibhrionn posaidh do d’ nighinn?” “Cha ’n ’eil teagamh nach bitheadh,” ars’ am fear eile; “oir tha mi cinnteach nach e mhain gu’n tugadh tu dhi gach ni a bhiodh fgreagarrach mar chuibhrionn posaidh, ach mar an ceudna gu’n tugadh tu seachad, ann an [TD 62] ainm do mhic, air a chuid a’s lugha tri mile bonn oir, tri aiteachan-comhnuidh, agus tri searbhantan.” “Cha ’n aontaich mi sin a dheanamh idir,” ars’ am fear a b’ oige; “is braithrean sinn, agus tha mise cho ard ann an suidheachadh riut fhein. Nach ’eil fhios againn le cheile ciod is coir dhuinn a dheanamh? O ’n is e mac a’s mo urram na nighean, is e do dhleasdanas-sa tochradh math a thoirt seachad leis an nighinn. Ach tha mi faicinn nach ’eil annad ach duine leis am bu mhiann do ghnothach a dheanamh air chosg duine eile.” Ged a labhair Nuredin na briathran mar mhagadh, shaoil le ’bhrathair gur ann da rireadh a bha e; agus air dha bhith car cas ’na nadar, ghabh e gu h-olc iad. “Dunaigh air do mhac,” ars’ esan, “o ’n is e ’s docha leat na mo nighean-sa! Tha ioghnadh orm gu’n robh de dhanadas agad na chreideadh gu’m bheil do mhac airidh air mo nighinn-sa. Feumaidh gu’m bheil thu air a dhol as do chiall ma tha thu ’smaointean gu’m bheil thu co-ionnan riumsa. Biodh fhios agad, ’amadain, o ’n a tha thu cho mimhodhail ’s a tha thu, nach tugainnsa mo nighean do d’ mhac ged a bheireadh tu dha do chuid de ’n t-saoghal.” Chaidh na fir cho fada thar a cheile mu thimchioll na cloinne nach d’ rugadh ’s nach mor nach do bhuail iad a cheile. “Mur b’ e gu’m feum mise falbh am maireach a shealg comhladh ris an righ, bheirinn dhut do thoillteanas,” arsa Shemsedin; “ach an uair a thilleas mi, leigidh mi fhaicinn dhut nach freagair do ’n bhrathair a’s oige a bhith bruidhinn cho ladarna ris a’ bhrathair a’s sinne mar a tha thusa ’deanamh.” An uair a thuirt e so chaidh e d’ a sheomar fhein, agus chaidh a bhrathair a chadal. Dh’ eirich Shemsedin gu math moch ’s a’ mhadainn, agus chaidh e do ’n luchairt far an robh an righ a’ deanamh deiseil gu falbh a shealgaireachd. [TD 63] Chuir Nuredin seachad an oidhche gle neo-fhoiseil; agus air dha bhith smaoineachadh air na thainig eadar e fhein ’s a bhrathair, thuig e nach robh e ’n comas dha fuireach comhladh ri bhrathair na b’ fhaide. Gu math trath air an latha cheannaich e miulaid, agus an deis dha airgiod is seudan is biadh, agus gach ni eile a bhiodh feumail dha air son a thuruis fhaighinn deiseil, dh’ fhalbh e. Ach mu ’n d’ fhalbh e, thuirt e ris an luchd-muinntir, nach robh duil aige bhith o ’n taigh ach beagan laithean. An uair a dh’ fhalbn e a Cairo, mharcaich e direach rathad fasach Arabia; ach an uair a thug a’ mhiulaid thairis leis an sgios; cha robh aige ach a chas a ghabhail. An uair a bha e fas gu math sgith, thainig fear-turuis a bha ’dol gu ruige Balsora ’na rathad, agus thog e air a chulaobh e. An uair a rainig iad Balsora, thainig Nuredin air lar, agus thug e moran taing do ’n fhear-thuruis. An uair a bha e ’g amharc air son aite-fuirich, chunnaic e duine urramach a’ tighinn an rathaid a bha e, agus coisridh mhor comhladh ris. Bha ’n sluagh gu leir a’ toirt urram do ’n duine so, agus bha iad a’ seasamh far an robh iad fad ’s a bha e gabhail seachad orra. Sheas Nuredin mar a rinn cach. B’ e ’n duine so an t-ard-chomhairleach aig righ Bhalsora, agus bha e ’dol troimh ’n bhaile feuch am faiceadh e an robh muinntir a’ bhaile ’g an gluasad fhein gu h-iomchuidh. Thachair do ’n duine so amharc an taobh a bha Nuredin, agus an uair a thug e an aire gu’n robh ni eiginn neo-chumanta tlachdmhor ’na chruth ’s na choslas, bheachdaich e gu dluth air. An uair a thainig e dluth dha ’s a thug e an aire gu’n robh e ann an eideadh fir-siubhail, sheas e laimh ris, agus dh’ fheoraich e dheth co e, agus co as a thainig e. [TD 64] “Le ’r cead,” arsa Nuredin, “is Eiphiteach mi a rugadh ann am baile Chairo. Dh’ fhalbh mi as do bhrigh gu’n robh dluth-charaid dhomh neo-chaoimhneil rium. Agus chuir mi romham gu’n siubhlainn an saoghal, agus eadhoin gu’m fuiliginn am bas a roghainn air tilleadh dhachaidh.” An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach na briathran so, thuirt e, “A mhic, thoir an aire dhut fhein; na lean an cursa a chuir thu romhad; cha ’n ’eil anns an t-saoghal ach trioblaid is truaighe. Cha ’n ’eil thu tuigsinn ciod e an cruaidh-fhortan a dh’ fheumas tu ’fhulang. Thig comhladh riumsa; is docha gu’n toir mi ort na nithean a chuir as do dhuthaich fhein thu a dhichuimhneachadh.” Lean Nuredin an t-ard-chomhairleach d’ a thaigh fhein, agus ann an uine ghoirid dh’ fhas iad gu math eolach air a cheile. Mar a b’ eolaiche a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ fas air Nuredin, is ann bu mheasaile a bha e ’fas air. Mu dheireadh bha leithid de thlachd aige dha ’s gu’n dubhairt e ris air latha araidh, “A mhic, tha mi, mar a tha thu ’faicinn, air fas cho aosda ’s nach ’eil e coltach gu’m bi mi beo moran na ’s fhaide. Tha aon nighean agam a tha nis aig aois posaidh, agus tha i na boirionnach a tha ’cheart cho briagha riut fhein. Bha caochladh dhaoine cho urramach ’s a th’ anns an rioghachd ’g a h-iarraidh orm gus a posadh ri ’n cuid mhac, ach cha robh toil agam a toirt seachad. Tha tlachd agam dhiotsa, agus tha mi ’smaointean gu’m bheil thu cho airidh air mo nighean fhaotainn ’s gur fhearr leam a toirt dhut na do aon sam bith a bha ’g a h-iarraidh; agus mar sin tha mi deonach thu ’g a posadh. Ma tha thusa deonach, innsidh mi do ’n righ mu ’n chuis, agus guidhidh mi air gu’n dean e thusa na d’ ard-chomhairleach an deigh mo bhais. Aig a’ cheart am, o ’n a tha mise feumach air [TD 65] beagan fois ’nam shean aois, cha ’n e mhain gu’n toir mi dhut mo chuid dhe ’n t-saoghal, ach fagaidh mi tomhas mor de riaghladh na rioghachd ’na do lamhan.” CAIB. IV. AN uair a chuir an t-ard-chomhairleach an tairgse chaoimhneil agus mhath so fa chomhair Nuredin leig e e-fhein ’na shineadh aig a chasan, agus air dha aideachadh gu’n robh e anabarrach aoibhneach agus taingeil air son a chaoimhneis dha, thuirt e ris gu’n robh e deonach ni sam bith a chuireadh e m’ a choinneamh a dheanamh. An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach so, thug e ordugh do stiubhartan a thaighe an talla mor a chur an ordugh, agus gach ulluchadh feumail a dheanamh air son na bainnse. ’Na dheigh sin thug e cuireadh do dh’ uaislean na cuirte agus a’ bhaile gu tighinn thun na bainnse. (Anns an am dh’ innis Nuredin dha co e). An uair a thainig ard-uaislean a’ bhaile, smaoinich e gu’m bu choir dha bruidhinn riutha mu’n chuis, air eagal gu’m biodh eud air na daoine do ’n do dhiult e a nighean. Thuirt e riutha mar so:—“Mo thighearnan, tha mi nis a’ dol a dh’ innseadh dhiubh ni a chum mi an cleith gus a so. Tha brathair agam a tha ’na ard-chomhairleach do righ na h-Eiphit mar a tha mi fhein aig righ na rioghachd so. Cha ’n ’eil aig mo bhrathair ach an aon mhac, agus o nach robh toil aige a mhac a phosadh ri te de mhnathan uaisle na h-Eiphit, chuir e an so e gus mo nighean-sa ’phosadh, a chum gu’m biodh an da theaghlach air an tarruinn na ’s dluithe ri ’cheile. So agaibh an duine og a tha gus mo nighean a phosadh. Dh’ aithnich mi gu’m b’ e mac mo bhrathar cho luath ’s a chunnaic mi e. Tha mi ’n dochas gu’m fan sibh an diugh aig a’ bhanais.” [TD 66] Cha robh ioghnadh sam bith air na h-uaislean a chionn gu’n do roghnaich an t-ard-chomhairleach mac a bhrathar air thoiseach air a h-aon eile dhe na tairgseachan matha a fhuair a nighean, agus an aite diumbadh a bhith aca ris air son mar a bha e ’deanamh, is ann a thuirt iad ris gu’m biodh iad gle dheonach a bhith aig a’ bhanais. Agus ghuidh iad gu’n tugadh Dia saoghal fada dha, a chum gu’m biodh toileachadh aige ann an co-cheangal ri posadh a nighinn. Chruinnich uaislean na cuirte thun na bainnse an uair a thainig am feasgar, agus shuidh iad aig an dinneir. An deigh dhaibh a bhith uine mhath aig a’ bhord, chuireadh measan dhe gach seorsa, an cursa mu dheireadh, ’nan lathair, agus ghabh iad na thainig riutha dheth. An sin thainig na sgriobhadairean a steach, agus an uair a sgriobh iad cumhnantan a’ phosaidh, chuir na h-ard-uaislean an ainm ris mar fhianuisean. An uair a bha gach ni seachad, thug an t-ard-chomhairleach ordugh do na seirbhisich an soitheach-faragaidh a bhith deiseil aca, a chum gu’m faraigeadh Nuredin e fhein. Fhuaradh aodaichean-cuim deiseil agus gach ni eile a bhiodh feumail dha. An uair a chuir e uime an deise so, chaidh e far an robh ’athair-ceile. Agus an uair a chunnaic ’athair-ceile cho maiseach ’s cho tlachdmhor ’s a bha e ’na choltas, bha e anabarrach toilichte. Thug e air suidhe ri ’thaobh, agus thuirt e, “A mhic, dh’ innis thu dhomh co thu, agus an suidheachadh anns an robh thu ann an cuirt na h-Eiphit. Dh’ innis thu dhomh mar an ceudna gu’n d’ thainig ni eiginn eadar thu fhein ’s do bhrathair a thug ort tir de dhuthchais fhagail. Bu mhath leam gu’n leigeadh tu ris d’ inntinn dhomh gu saor, agus gu’n innseadh tu dhomh ciod a b’ aobhar gu’n deachaidh tu fhein ’s do bhrathair thar a cheile; oir cha ’n ’eil a nis aobhar sam bith agad [TD 67] air teagamh a chur annam, no air ni sam bith a chumail an cleith orm.” Dh’ innis Nuredin dha a h-uile car mar a chaidh e fhein ’s a bhrathair thar a cheile. An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach mu na thainig eatorra, rinn e lascan gaire, agus thuirt e, “Is e so rud cho neonach ’s a chuala mi riamh: am bheil e comasach, a mhic, gu’n deachaidh sibh thar a cheile mu thimchioll posaidh nach do thachair aig an am? Tha mi doilich gu’n deachaidh tu fhein ’s do bhrathair aimhreit air son ni cho suarach. Ach cha robh e ceart dhasan fearg a bhith air riutsa ’s gun thu ach mar mhagadh. Bu choir dhomhsa, air a shon sin, a bhith taingeil gu’n deachaidh sibh aimhreit o ’n a fhuair mi mac air a shailleamh. Ach tha e nis air fas anamoch, agus tha ’n t-am agad a dhol a laidhe. Tha do bhean ’g ad fheitheamh anns an leabaidh. Am maireach bheir mi an lathair an righ thu, agus tha mi ’n dochas gu’n toir e urram dhut air a leithid a dhoigh ’s gu’m bi sinn le cheile riaraichte.” Dh’ fhag Nuredin oidhche mhath aig ’athair ceile, agus chaidh e do ’n t-seomar anns an robh ’bhean. Tha e anabarrach comharraichte, arsa Giafar, gu’n do phos Shemsedin ann an Cairo, air a’ cheart latha air an do phos a bhrathair, Nuredin ann am Balsora. So mar a thachair:— An deigh do Nuredin falbh a Cairo, le run nach tilleadh e gu brath tuilleadh, bha Shemsedin, a bhrathair, a dh’ fhalbh a shealgaireachd an cuideachd an righ, mios gun tilleadh air ais; oir bha ’n righ ro dheidheil air sealgaireachd, agus bu tric leis a bhith uine mhor anns a’ bheinn sheilg. An uair a thill Shemsedin dhachaidh, ghrad chaidh e do sheomar a bhrathar an duil gu’n robh e ann roimhe. Ach ghabh e ioghnadh mar an uair a dh’ innseadh dha gu’n d’ fhalbh a bhathair o ’n taigh air a’ [TD 68] cheart latha air an d’ fhalbh e fhein do ’n bheinn sheilg comhladh ris an righ, agus nach cualas guth no iomradh m’ a dheidhinn, ged a thuirt e an latha dh’ fhalbh e, gu’n tilleadh e, air ais an ceann a dha no tri laithean. Chuir so dragh mor air Shemsedin, gu h-araidh a chionn gu’n robh e ’creidsinn gur e na briathran searbh a labhair e ri ’bhrathair a thug air cul a chur ri tir a dhuthchais. Chuir e teachdaire air a thoir gu ruige Damascus agus Alepo, ach bha Nuredin ’s an am ann am Balsora. An uair a thill an teachdaire ’s gu’n sgeul aige air Nuredin, bha duil aig Shemsedin forofhais a dheanamh m’ a dheidhinn ann an aiteachan eile. Ach anns an am bha e ’smaoineachadh air posadh, agus ann an uine ghoirid ’na dheigh sin, phos e nighean fir dhe na tighearnan a bh’ ann an Cairo. Thachair dha posadh air a’ cheart latha air an do phos a bhrathair nighean an ard-chomhairlich ann am Balsora. Cha b’ e so uile mar a bha; ach thachair air a’ cheart latha air an d’ rugadh nighean do Shemsedin ann an Cairo, gu’n d’ rugadh mac do Nuredin ann am Balsora, air an d’ thugadh Bedredin Hasan mar ainm. Leis cho aoibhneach ’s a bha ’n t-ard-chomhairleach ann am Balsora gu’n d’ rugadh ogha dha, thug e cuirm mhor do mhaithean a’ bhaile, agus thug e tiodhlacan do na bochdan. Agus a chum gu’n nochdadh e do Nuredin gu’n robh meas mor aige air, chaidh e do ’n luchairt far an robh an righ, agus ghuidh e gu h-umhail air gu’n deanadh e Nuredin ’na ard-chomhairleach, a chum gu’m biodh de thoileachadh aige ’fhaicinn anns an dreuchd urramach so mu ’m faigheadh e fhein am bas. Bha meas mor aig an righ air Nuredin riamh o ’n latha chunnaic e ’n toiseach e, agus o ’n a bha gach neach a chuir eolas air a’ labhairt gu math uime, rinn e mar a [TD 69] ghuidh an t-ard-chomhairleach air, agus dh’ ordaich e do Nuredin trusgan ard-chomhairlich a chur uime. Air an ath latha, an uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach a chliamhuinn air cheann comhairle an righ, far am bu ghnath leis fhein a bhith, agus cho ordail ’s a bha e ’deanamh a dhleasdanais, bha e cho aoibhneach ’s a b’ urrainn a bhith. Rinn Nuredin a dhleasdanas cho math ’s gu’n saoileadh duine sam bith gu’n robh e fad uile laithean a bheatha anns an dreuchd. Lean e air a bhith suidhe air cheann na comhairle o am gu am, an uair a bhiodh ’athair-ceile ann an droch shlainte tre anmhuinneachd na h-aoise. An ceann cheithir bliadhna ’na dheigh sin dh’ eug ’athair-ceile. Aig am a bhais bha e ro thoilichte gu’n robh a chliamhuinn ’na dhuine ro urramach, agus gu’n robh a h-uile coltas gu’m biodh ’ogha, nam biodh e beo gu aois fearachais, ’na dhuine measail, cliuiteach mar an ceudna. Chuir Nuredin an gniomh an dleasdanas deireannach dha ’athair-ceile ann an spiorad graidh is taingealachd. An uair a bha Bedredin Hasan seachd bliadhna dh’ aois, fhuaradh fear-teagaisg dha cho math ’s a bha ri ’fhaighinn. Bha e air a theagasg anns gach foghlum a bha freagarrach air son a shuidheachaidh. Bha e na leanabh cho turail, glic, geur-chuiseach, agus cho math gu foghlum a thogail ri leanabh a b’ urrainn a bhith. Bha Bedredin Hasan da bhliadhna fo theagasg an duine so, agus cha b’ e mhain gu’n leughadh e an Coran gu math, ach dh’ ionnsaich e air a theangaidh e mar an ceudna. ’N a dheigh sin fhuaradh luchd-teagaisg eile dha, agus thainig e air aghart cho math ann am foghlum ’s gu’n robh e lan-ionnsaichte aig aois da bhliadhna dheug. Aig an am so bha e cho maiseach ’na ghnuis, agus cho tlachdmhor anns gach doigh ’s gu’n robh gach neach a chitheadh e a’ gabhail tlachd dheth. [TD 70] Gus an d’ rainig e an aois so, cha d’ thugadh an lathair uaislean na cuirte e. Ach a nis thugadh do ’n luchairt e, a chum gu’n tugadh e pog do lamh an righ. An uair a chunnaic an righ e, nochd e gu’n robh meas mor aige air. Ghabh an sluagh a chunnaic air na sraidean e tlachd mor dheth, agus thug iad mile beannachd dha. O ’n a bha toil aig athair gu’m biodh e ’na ionad fhein an deigh a bhais, rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum a dheanamh freagarrach air son an dreuchd aird agus urramaich sin. A dh’ aon fhacal, rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum a mhac a chur air aghart anns an t-saoghal. Ach an uine gun bhith fada, thainig tinneas tromh air; agus an uair a thuig e nach robh am bas fada uaithe, rinn e deiseil air son a’ bhais. Anns na laithean deireannach cha do dhichuimhnich e a mhac Bedredin. Chuir e fios air a dh’ ionnsuidh taobh na leapadh, agus thuirt e ris, “A mhic, tha thu ’faicinn nach mair an saoghal so ach uine ghoirid; cha ’n ’eil ni sam bith a mhaireas ach an saoghal a dh’ ionnsuidh am bheil mise ’dol gun dail. Feumaidh tu, air an aobhar sin, deanamh deiseil a so suas gus an saoghal so fhagail, mar a tha mise ’deanamh. Feumaidh tu ulluchadh a dheanamh gun ghearain sam bith, a chum nach bi do chogais ’g ad agairt air son nach do chaith thu do bheatha mar dhuine onarach. Fhuair thu eolas o do luchd-teagaisg mu thimchioll nan nithean a bhuineas do ’n fhior chreideamh. Agus a thaobh nan dleasdanasan a tha mar fhiachan air daoine onarach a chur an gniomh, bheir mise beagan fiosrachaidh dhut, agus tha mi ’n dochas gu’n dean thu feum math dheth. O ’n a tha e feumail gu’m biodh fìosrachadh aig duine mu thimchioll fhein, agus o nach ’eil e comasach dhutsa am fiosrachadh so fhaotainn gus an innis mise dhut e, innsidh mi nis dhut e. [TD 71] CAIB. V. “THA mise de ghnath mhuinntir na h-Eiphit. Bha m’ athair agus mo sheanair ’nan ard-chomhairlich aig righ na h-Eiphit. Bha ’n t-urram so agamsa mi-fhein, agus aig brathair d’ athar mar an ceudna. Is e ainm bhrathar d’ athar, Shemsedin, agus tha mi ’smaointean gu’m bheil e beo fhathast. B’ eiginn dhomhsa falbh as an Eiphit, agus tighinn do ’n duthaich so far an d’ fhuair mi air aghart a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh aird anns am bheil mi nis. Ach tuigidh tu na nithean so na ’s fhearr an uair a leughas tu na sgriobhaidhean so a tha mi toirt dhut.” Aig a cheart am thug Nuredin am mach leabhar-pocaid as a bhrollach a sgriobh e le ’laimh fhein, agus a bha e ’n comhnuidh a cumail ’na phocaid, agus an uair a thug e do Bhedredin Hasan e, thuirt e, “Gabh an leabhar so, agus leugh e an uair a bhios uine agad; agus gheibh thu fios ann, am measg nithean eile, air an latha air an d’ rugadh thu. Is docha gu’m bi am fiosrachadh so feumail dhut ’na dheigh so, air an aobhar sin, is coir dhut an leabhar a ghleidheadh gu curamach. Bha Bedredin cho muladach an uair a chunnaic e an staid anns an robh ’athair, agus an uair a chual’ e na briathran a labhair e ris ’s nach b’ urrainn e cumail o shileadh nan deur an uair a ghabh e an leabhar as a laimh, agus a gheall e nach dealaicheadh e ris gu brath. Aig a’ cheart am thainig laigse air Nuredin, agus bha h-uile coltas air gu’n robh ceann a shaoghail air tighinn; ach chaidh e na b’ fhearr, agus labhair e na briathran so:— “A mhic, is i so a’ cheud chomhairle a bheir mi ort. Na leig leis a h-uile duine a bhith tuilleadh is eolach ort. Is e ’n doigh air a bhith sona, d’ inntinn a chumail dhut [TD 72] fhein, agus an aire a thabhairt nach innis thu gach ni a bhios air do smaointean do dhaoine eile. “Is i an ath chomhairle, Na dean foirneart air neach sam bith; oir ma ni, bheir thu air a h-uile neach gu’m bi fuath aca dhut. Tha coir agad air amharc air an t-saoghal mar a dh’ amhairceas tu air fear aig am biodh fiachan ort, agus do ’m bheil e mar do dhleasdanas measarrachd, truas, agus fad-fhulangas a nochdadh. “Is i treas comhairle, Na abair facal an uair a bheirear masladh dhut; oir, mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, An neach a dh’ fhanas samhach, tha e ’mach a cunnart. An uair a bheirear masladh dhut, tha e gu sonsraichte feumail dhut a bhith na do thosd. Tha fhios agad air na briathran a labhair am bard, Tha bhith tosdach ’na mhaise agus ’na dhion do ar beatha. Cha bu choir do ar briathran a bhith mar uisge trom a mhilleas gach ni. Cha robh aithreachas air duine riamh air son cho beag ’s a labhair e, ach bha aithreachas air moran air son a’ mheud ’s a labhair iad. “Is i an ceathramh comhairle, Na ol fion, oir is e am fion is mathair-aobhair do gach uile mhi-bheus a th’ anns an t-saoghal. “Is i an coigeamh comhairle, Bi gleidhteach air do mhaoin; ma sgapas tu do mhaoin, thig thu gu bochdain, agus cha bhi ni agad a chumas suas thu. Cha ’n ’eil mi ’ciallachadh gur coir dhut aon chuid a bhith ro spiocach no tuilleadh is fialaidh; oir ciod sam bith cho beag ’s a bhios do mhaoin, ma bheir thu ’n aire mhath dhi, agus gu’n cuir thu gu buil i mar is coir dhut, bidh cairdean gu leor agad. Ach air an laimh eile, ged a bhiodh saoibhreas mor agad, agus tu ’deanamh droch fheum dheth, cuiridh sluagh an t-saoghail gu leir cul riut.” A dh’ aon fhacal, lean Nuredin air comhairleachadh a mhic gus an do thilg e an anail. Agus an uair a dh’ eug [TD 73] e, dh’ adhlaiceadh e leis gach urram air an robh e dligheach. Bha Bedredin cho tursach an deigh bas ’athar ’s gu’n d’ fhan e da mhios gun dol am mach air an dorus, an aite aon mhios, mar a bha cleachdte ’s an duthaich. Anns an uine so cha d’ rinn e uiread ’s a dhol aon uair do chuirt an righ. Air son an dearmaid so bha diumbadh mhor aig an righ air; oir bha e ’meas gu’m b’ ann le mi-churam agus le suarachas a dhearmaid Bedredin a dhleasdanas. Air an aobhar sin chuir e fear eile ann an dreuchd na h-ard-chomhairle ’na aite. Agus dh’ ordaich e do ’n ard-chomhairleach ur greim a dheanamh air gach taigh is fearann, agus gach ni eile ris an t-saoghal a bhuineadh do dh’ athair Bhedredin, agus gun ni sam bith fhagail aig Bedredin. Dh’ ordaich e mar an ceudna Bedredin a thoirt ’na lathair mar phriosanach. Gun dail sam bith chaidh an t-ard-chomhairleach ur agus buidheann mhor de mhaoir ’s de dh’ oifigich na cuirte gu taigh Bhedredin gus ordugh an righ a chur an gniomh. Ach thachair gu’n d’ fhuair aon de sheirbhisich Bhedredin fios air mar a bha cuisean air thuar a bhith, agus ruith e dhachaidh cho luath ’s a b’ urrainn e. Thachair a mhaighstir ris ’na shuidhe anns an t-seomar ’s e cho tuirseach ’s ged nach biodh ’athair marbh ach latha no dha. Leig e e-fhein air a ghluinean aig a chasan, agus an uair a phog e iomall a thrusgain, thuirt e, “Mo thighearna, gabh curam dhe d’ bheatha gun dail.” Thog Bedredin a cheann, agus thuirt e, “Ciod a tha cearr? Ciod an naigheachd a th’ agad?” “Mo thighearna,” ars’ esan, “cha ’n ’eil uine sam bith ri chall; tha corruich uamhasach air an righ ribh, agus tha buidheann dhaoine a’ tighinn uaithe gus greim a dheanamh air a h-uile ni a bhuineas dhuibh, agus gus sibh fhein a ghlacadh mar phriosanach.” [TD 74] Chuir na briathran so a labhair a sheirbhiseach dileas ris dragh mor air inntinn Bhedredin. “Am bi uine gu leor agam gus airgiod is seudan a thoirt leam?” “Cha bhi, cha bhi, ars’ an seirbhiseach, “bidh an t-ard-chomhairleach agus na maoir an so ann an tiotadh. Bi grad fhalbh; saor thu fhein gun dail.” Ghrad dh’ eirich Bedredin as an aite ’s an robh e ’na shuidhe, agus chuir e uime a bhrogan. Agus an uair a dh’ fhalaich e ’aghaidh le iochdar a thrusgain air eagal gu’n aithnichteadh e, theich e ’s gun fhios aige co ’n taobh a ghabhadh e. B’ e cheud smaointean a bhuail ’na cheann, ruith am mach air geata a’ bhaile cho luath ’s a b’ urrainn da. Ruith e cho luath ’s a leigeadh a chasan leis gus an d’ rainig e an t-ait-adhlacaidh, agus o ’n a bha ’n oidhche air tuiteam, chuir e roimhe gu’n cuireadh e seachad an oidhche aig uaigh ’athar. Air an rathad thachair Iudhach beairteach ris, a bha ’na bhancair agus ’na mharsanta, agus a bha aig an am a’ tilleadh dhachaidh do ’n bhaile an deigh dha bhith air cheann gnothaich araidh a bhuineadh dh’ a dhreuchd. Dh’ aithnich an t-Iudhach Bedredin, agus sheas e a chur failte air gu cridheil. An deigh do ’n Iudhach failte a chur air, thuirt e, “Mo thighearna am bheil e dana dhomh ’fheoraich dhibh c’ait am bheil sibh a’ dol mu ’n am so ’dh’ oidhche ’n ’ur onar, agus coltas cho bronach oirbh? An do chuir ni sam bith tuairgneadh oirbh?” “Chuir,” arsa Bedredin; “o chionn greise bha mi ’nam chadal, agus thainig m’ athair far an robh mi ann am bruadar, agus e ’g amharc orm le mor ghruaim, mar gu’m biodh e anabarrach feargach rium. Dhuisg mi le clisgeadh as mo chadal, agus ghrad thainig mi gus urnuigh a dheanamh air an uaigh aige.” [TD 75] “Mo thighearna, ars’ an t-Iudhach (’s gun fhios aige c’ar son a dh’ fhalbh Bedredin as a’ bhaile), “bha meas mor agam air d’ athair, agus tha fhios agam gu’n robh moran bathair aige ann an caochladh loingeas nach d’ thainig fhathast gu calla; agus o ’n a bhuineas iad dhutsa, tha mi ’g iarraidh ort mar fhabhar gu’n reic thu rium iad gun tairgse a thoirt do mharsanta sam bith eile. Tha mi comasach air airgiod ullamh a phaigheadh dhut air son do chuid loingeas. Ma bheir thu dhomh a’ cheud fheadhain a thig gu calla gu sabhailte, bheir mi dhut, mar a’ cheud chuid de ’n luach, mile bonn oir.” An uair a thuirt e so, thug e poca ’mach as a sgiorplach, agus nochd e do Bhedredin e. O ’n a bha Bedredin air ’fhogradh am mach as a thaigh, agus air a chuid dhe ’n t-saoghal a chall, chunnaic e gu’n robh an tairgse so mar gu’m biodh fabhar a gheibheadh e o neamh, agus ghabh e toileach i. “Mo thighearna,” ars’ an t-Iudhach, “tha thu reic rium air son mile bonn oir, luchd na ceud luinge a thig gu sabhailte do ’n acarsaid?" “Tha, air son mile bonn,” arsa Bedredin. An uair a chual’ an t-Iudhach so, thug e am poca anns an robh am mile bonn oir do Bhedredin, agus dh’ iarr e air an cunntas. Air eagal a bhith ’cur seachad na h-uine, thuirt Bedredin ris gu’n gabhadh e aig ’fhacal e. “O ’n a tha thu deonach sin a dheanamh,” ars’ an t-Iudhach, “bidh tu cho math ’s gu’n toir thu dhomh sgriobhadh air a’ bharagan a rinn sinn.” An uair a thuirt e so, thug e ’mach an ince a bh’ aige fo ’n chrios, agus peann is paipear, agus sgriobh Bedredin na briathran so:— [TD 76] “Tha ’n sgriobhadh so a’ dearbhadh gu’n d’ thug Bedredin Hasan, a Balsora, do Isaac, an t-Iudhach, luchd na ceud luinge a thig do ’n acarsaid, air son mile bonn oir. Bedredin Hasan, a Balsora.” Thug e ’n sgriobhadh so do ’n Iudhach, agus dhealaich e ris. Am feadh ’s a bha Isaac air an rathad do ’n bhaile, bha Bedredin air an rathad a dh’ ionnsuidh uaigh ’athar An uair a rainig e i, chrom e e-fhein sios gu lar, agus le cridhe bronach ’s le suilean deurach, bha e ’gearain air a shuidheachadh truagh. “Ochan!” ars’ esan, “a Bhedredin a’ chruaidh fhortain, ciod a dh’ eireas dhut? C’ait’ an teich thu g’ ad dhion fhein o gheur-leanmhuinn an righ eucoraich? Nach bu leor a bhith fo bhron air son bas athar chaoimh? Am feumar tuilleadh a chur ris a’ mhi-fhortan a thainig ’na d’ rathad?” An uair a bha e uine mhor ’na shineadh ’s e ’caoidh s a’ gearain mar so, dh’ eirich as a’ bhad ’s an robh e, agus leig e e-fhein air ’uilinn air an uaigh ’s a cheann ri taic na lice. Bha e ’n uair sin na bu bhronaiche na bha e riamh, agus an uair a bha e anns an t-suidheachadh so uine fhada, thuit e mu dheireadh ’na chadal. CAIB. VI. CHA robh e fada ’na chadal an uair a thainig fathach far an robh e. Bha am fathach so, mar bu ghnath le ’sheorsa, a’ cur seachad an lath anns an ait-adhlacaidh, agus a’ falbh air feadh an t-saoghail air an oidhche. An uair a chunnaic e Bedredin ’na chadal air uaigh ’athar, bheachdaich e gu dluth air, agus ar leis nach fhac’ e duine riamh cho briagha ris. Thuirt e ris fhein, “Is ann a tha ’n creutair maiseach so coltach ri aingeal a chuireadh Dia [TD 77] a nuas a Parras a chum daoine an t-saoghail so a bhrosnachadh gu teas ghradh a thoirt dha air son a mhor mhaise.” Mu dheireadh, an uair a bha ’m fathach greis mhath a’ beachdachadh air Bedredin, dh’ fhalbh e air iteig do ’n iarmailt. Cha robh e fad air falbh an uair a thachair bean-shithe ris, agus chuir iad failte air a cheile. ’Na dheigh sin thuirt e rithe, Thig a nuas do ’n ait-adhlacaidh comhladh riumsa far am bheil mi ’fuireach, agus nochdaidh mi dhut duine a tha anabarrach briagha, agus a thaitneas riut cho math ’s a thaitinn e riumsa.” Dh’ aontaich a’ bhean-shithe leis, agus ann am priobadh na sul bha iad aig an uaigh. “Seall air sin,” ars’ am fathach ris a’ bhean-shithe, agus e ’comharrachadh am mach Bhedredin dhi. “Am faca tu duine og riamh cho deas ’s cho dealbhach ’s cho maiseach ris?” An uair a bheachdaich a’ bhean-shithe gu math dluth air Bedredin, thuirt i ris an fhathach, “Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil e ’na dhuine anabarrach maiseach. Ach tha mi ’n drasta fhein air tighinn a Cairo far am faca mi an aon bhoirionnach a’s briagha ’chunnaic suil riamh. Is i moran is briagha na’n duine og so; agus ma dh’ eisdeas tu rium, innsidh mi dhut naigheachd iongantach m’ a deidhinn.” “Bidh mi ’n ad chomain ma dh’ innseas tu an naigheachd sin dhomh,” ars’ am fathach. “Tha ard-chomhairleach aig righ na h-Eiphit,” ars’ a bhean-shithe, “do ’n ainm Shemsedin, agus tha aon nighean aige a tha mu fhichead bliadhna dh’ aois. Cha ’n fhacas boirionnach riamh cho briagha rithe. Chual’ an righ gu’n robh i anabarrach briagha, agus an latha roimhe chuir e fios air a h-athair, agus thuirt e ris, ‘Tha [TD 78] mi tuigsinn gu’m bheil nighean agad a th’ aig aois posaidh: agus tha toil agam a posadh: am bheil thu deonach a toirt dhomh?” An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach an ni a bh’ ann am beachd an righ, ghabh e dragh mor, agus an aite an tairgse a ghabhail le mor aoibhneas mar a dheanadh iomadh fear a bhiodh ’na aite, fhreagair e an righ, agus thuirt e ris, “Le ’r cead, a righ, cha ’n ’eil mise airidh air an urram a tha sibh toileach a chur orm, agus tha mi le mor umhlachd a’ guidhe oirbh gu’n toir sibh mathanas dhomh a chionn nach ’eil mi deonach deanamh mar a tha sibh ag iarraidh. Tha fhios agaibh gu’n robh brathair agam do ’m b’ ainm Nuredin, aig an robh a dh’ urram, mar a th’ agam fhein, a bhith ’na ard-chomhairleach agaibh. Thainig ni eiginn eadrainn, a thug air an rioghachd fhagail le cabhaig. Agus o ’n uair sin cha chuala mi iomradh air gus o chionn cheithir latha, an uair a chuala mi gu’n do dh’ eug e ann am Balsora, far an robh e ’na ard-chomhairleach aig an righ. “Dh’ fhag e aon mhac ’na dheigh, agus bha cordadh eadrainn gu’m posadh a mhac-san mo nighean-sa, nam biodh mac is nighean againn. Agus tha mi deimhin gu’n robh an ni so ’na bheachd-san an uair a dh’ eug e. Agus o ’n a tha toil agam cumail ris a’ chordadh a bh’ eadrainn, tha mi ’guidhe oirbh gu’n leig sibh leam seasamh ris. Tha moran de thighearnan eile anns a’ chuirt aig am bheil nigheanan mar a th’ agamsa, air am faod sibh, ma chi sibh iomchuidh e, an t-urram sin a chur a tha sibh toileach a chur ormsa.” Bha corruich mhor air righ na h-Eiphit ri Shemsedin a chionn a nighean a dhiultadh dha, agus thuirt e ris, agus e ann am mullach na feirge, “An e so doigh anns am bheil thu ’g am phaigheadh air son mi bhith toileach mi fhein iriosleachadh cho mor ’s gu’n deanainn cleamhnas [TD 79] riut? Leigidh mise fhaicinn dhut gu’n dean mi dioghaltas ort a chionn a’ chridhe bhith agad fear eile a roghnachadh do d’ nighinn air thoiseach ormsa. Tha mise ’toirt m’ fhacail gu’m feum do nighean an seirbhiseach a’s suaraiche a th’ agamsa ’phosadh.” An uair a labhair an righ na briathran so, dh’ ordaich e do ’n ard-chomhairleach e bhith grad fhalbh as a shealladh. Chaidh an t-ard-chomhairleach dhachaidh agus e fo mhor dhragh inntinn. “Air an latha sin fhein chuir an righ fios air an t-seirbhiseach a b’ isle a bh’ aige anns an stabull. Tha ’n seirbhiseach so ’na dhuine cho granda ’s gu’n cuireadh e eagal air dearg mheirleach. Tha e bronnach, crotach, luigeach, spleadhach. An uair a dh’ aithn e do ’n ard-chomhairleach ’aontachadh gu’m posadh e a nighean ris a chulaidh-eagail so, thug e fa near gu’n deantadh an cordadh ’na lathair fhein. “Tha gach ulluchadh feumail air son na bainnse neonaich so a nis deiseil, agus tha na searbhantan a bhuineas do thighearnan na cuirte, aig dorus an taighe-fharagaidh, le an lochrainn ’nan laimh, a’ feitheamh gus an d’ thig fear na bainnse am mach an deis e fhein fharagadh. Tha iad a’ dol comhladh ris far am bheil bean na bainnse. Tha i a nise an deis trusgan na bainnse a chur uimpe. An uair a dh’ fhalbh mise a Cairo choinnich na mnathan-uaisle mi, agus iad a’ dol g’ a toirt do ’n talla far am bheil aice ri fear na bainnse a choinneachadh; agus tha duil aca ris a h-uile mionaid. Chunnaic mi i, agus air m’ fhacal tha i cho briagha ’s nach urrainn neach sam bith gun tlachd a ghabhail dhith.” An uair a sguir a’ bhean-shithe de labhairt, thuirt am fathach rithe, “A dh’ aindeoin na tha thu ’deanamh de mholadh oirre, cha chreid mi gur urrainn dhi a bhith na ’s briagha na ’n duine og so.” [TD 80] “Cha ’n ’eil mi ’dol a chonnsachadh riut mu’n chuis,” arsa ’bhean-shithe, oir tha mi ’creidsinn gu’m bu choir gu’m biodh e fhein agus an creutair gradhach air am bheil mi ’bruidhinn air am posadh ri ’cheile. Agus tha mi ’smaointean gu’m bu mhath an obair dhuinn bacadh a chur air a’ ghniomh eucorach a tha righ na h-Eiphit a’ deanamh; agus an duine og maiseach so a chur ann an aite na traill chrotaich, ghranda a tha ’n righ a’ toirt oirre phosadh g’ a h-aindeoin. “Tha thu gle cheart,” ars’ am fathach; “tha mi anabarrach fada ’n a do chomain air son na smaointean a chinnich ’na do cheann. Thugamaid an car as? Tha mi ’g aontachadh gur coir dioghaltas a dheanamh air righ na h-Eiphit. Thugamaid comhfhurtachd do dh’ athair na h-ighinn, agus thugamaid toil-inntinn do ’n nighinn an aite an doilgheis ris am bheil suil aice. Ni mise gach ni ’n am chomas a chum a’ chuis a chur air aghart, agus tha mi deimhin gu’n dean thusa do chuid fhein dhe ’n obair. Bheir mise gu ruige Cairo e mu’n duisg e, agus ’na dheigh sin fagaidh mi gach ni ’na do lamhan-sa, agus bheir thu air falbh e a dh’ aiteiginn eile, an uair a chi thu an t-am iomchuidh.” An uair a shuidhich am fathach agus a’ bhean-shithe eatorra fhein gach ni mar bu choir dhaibh a dheanamh, thog am fathach leis Bedredin gu socrach, agus dh’ fhalbh e leis gu ruige Cairo. Cha robh e tiotadh air an rathad. An uair a rainig e, leig e as Bedredin aig dorus taigh’ osda a bha dluth air an taigh-fharagaidh anns an robh am fear crotach ’g a nigheadh fhein. Anns an am dhuisg Bedredin, agus bha ioghnadh anabarrach mor air an uair a fhuair e e-fhein ann am meadhain baile mhoir anns nach robh e riamh roimhe. An uair a bha e ’dol a thoirt glaodh as le ioghnadh, agus a dh’ fheorach c’aite an robh e, chuir am fathach a lamh [TD 81] air a ghualainn, agus thuirt e ris gun fhacal a radh. Anns a’ mhionaid chuir e lochrann ann an laimh Bhedredin, agus thuirt e ris e dhol maille ris a’ chuideachd a bha ’falbh o ’n taigh-fharagaidh do ’n talla anns an robh am posadh gus a bhith. “Tha fear na bainnse crotach,” ars’ esan, “agus tha e furasda, gu leor dhut ’aithneachadh. Bi air a laimh dheis agus grad fhosgail do sporran, agus thoir lan do dhuirn de ’n or do ’n luchd-ciuil ’s do na dannsairean, agus mar an ceudna do na searbhantan a chi thu ann an cuideachd bean na bainnse an uair a thig iad dluth dhut. Na dean caomhnadh sam bith air an or. Bi cinnteach gu’n toir thu lan do dhuirn do gach neach. Cuimhnich gu’n dean thu gach ni a tha mise ag aithneadh dhut gun drag inntinn sam bith. Na biodh eagal ort roimh ni no roimh neach sam bith, agus fag a’ chuid eile aig neach a’s airde cumhachd na thu fhein, agus cuiridh e cuisean ann an ordugh mar a chi e fhein iomchuidh.” An uair a fhuair Bedredin na comhairlean so chaidh e gu dorus an taigh-fharagaidh. Las e an lochrann mar a a rinn na seirbhisich eile ’bha ’n lathair, agus dh’ fhalbh e am measg na cuideachd mar gu’m biodh e ’na sheirbhiseach aig aon a dh’ ard-uaislean a’ bhaile. Bha am fear crotach a’ falbh rompa ’s e marcachd air aon de dh’ eich an righ. Mu dheireadh rainig a’ chuideachd an taigh aig Shemsedin, an t-ard-chomhairleach. B’ e ’n duine so brathar athar Bhedredin, agus bu bheag a bha e ’smaoineachadh aig an am gu’n robh mac a bhrathar cho dluth air laimh. A chum bacadh a chur air eas-ordugh sam bith, bha na dorsairean a’ cumail nan seirbhiseach aig an robh na lochrainn air falbh o ’n dorus air eagal gun rachadh iad a steach. Cha ’n fhaigheadh Bedredin a steach na ’s mo na gheibheadh cach. Ged a bha cead aig an luchd-ciuil a dhol a steach, cha rachadh iad a steach [TD 82] mur faigheadh Bedredin cead a dhol a steach comhladh riutha. “Ma ghabhas sibh beaehd air,” ars’ iadsan, “tuigidh sibh nach e seirbhiseach a th’ ann. Cha ’n ’eil teagamh nach e coigreach a th’ ann aig am bheil toil a bhanais ’fhaicinn.” Agus an uair a thuirt iad so, thug iad leotha steach e gun taing do na dorsairean. Thug iad an lochrann as a laimh, agus thug iad do neach eile e. An uair a thugadh a steach do ’n talla e, chuireadh ’na sheasamh e aig deas laimh fir na bainnse. Bha esan ’na shuidhe air langsaid ri taobh bean na bainnse. Ged a bha bean na bainnse air a h-eideadh ann an trusgan anabarrach maiseach, bha ’h-aghaidh a’ nochdadh gu’n robh i air a lionadh le doilghios agus le bron. Cha robh so a’ cur ioghnaidh air neach sam bith a chitheadh an creutair duaichnidh a bha ’n righ a’ toirt oirre a phosadh an aghaidh a toile. Bha mnathan uaisle na cuirte ’nan suidhe air cathraichean air gach taobh de sgiobadh na bainnse, gach aon a reir na h-inbhe anns an robh iad. Agus bha iad uile air an eideadh ann an trusgain a bha anabarrach maiseach, agus coinneal cheireach ann an laimh gach te dhuibh; agus bu chiatach an sealladh a bhith ’g am faicinn. An uair a chaidh Bedredin a steach do ’n t-seomar, cha b’ urrainn do na mnathan uaisle an suilean a thogail dheth; oir bha e anabarrach tlachdmhor ’na chruth, ’na choslas, agus na ghluasad. An uair a shuidh e, dh’ eirich iad uile as an aite ’s an robh iad ’nan shuidhe, agus chaidh iad dluth dha, a chum gu’m faigheadh iad sealladh ceart dheth. Agus an uair a shuidh iad far an robh iad roimhe, cha mhor nach robh iad uile ann an trom ghaol air. [TD 83] CAIB. VII. AN uair a thug a’ chuideachd gu leir an aire do ’n dealachadh mhor a bha eadar Bedredin agus am fear crotach, thoisich iad ri bruidhinn ’s ri monabhar ’nam measg fhein. Mu dheireadh thuirt na mnathan uaisle, “Feumaidh sinn bean na bainnse a phosadh ris an duine uasal og, eireachdail so, agus cha ’n ann ris an duine dhuaichnidh, chrotach a chuir an righ air leith dhi.” Cha do stad iad aig a’ so, ach thoisich iad ri caineadh an righ, a chionn gu’n d’ ordaich e gu’m biodh am boirionnach cho briagha ’s a bh’ anns an rioghachd air a posadh ris an aon fhear cho granda ’s a bh’ innte gu leir. Thoisich iad mar an ceudna ri magadh air fear na bainnse ’s ri ’ruith sios, air chor ’s gu’n d’ thug iad uaithe a mhisneach buileach glan. Mu dheireadh chaidh a’ chuideachd gu leir gu leithid de bhruidhinn ’s gu’m b’ eiginn do ’n luchd-ciuil sgur de chluichd. Thoisich an luchd-ciuil a rithist ri cluichd, agus thainig na mnathan a bha ’cur ’nan trusgan air bean na bainnse far an robh i. Bha e mar chleachdadh anns an am trusgan ur a chur air bean na bainnse seachd uairean, agus a toirt an lathair fir na bainnse a h-uile uair a chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a thoirt dha. Ach a h-uile uair a chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a thoirt do ’n fhear chrotach, is ann a bha i ’gabhail seachad air gun uiread is suil a thoirt an taobh a bha e, agus a’ dol far an robh Bedredin ’na shuidhe. A h-uile uair a thigeadh bean na bainnse far an robh Bedredin agus an trusgan ur uimpe, bha e ’toirt lan a dhuirn dhe ’n or do na mnathan-coimhideachd a bha ’frithealadh dhi. Bha e ’toirt an oir do ’n luchd-ciuil ’s do na dannsairean mar an ceudna. Bu spors a bhith ’g am [TD 84] faicinn a’ putadh a cheile feuch co ’gheibheadh greim air an or a bha e ’tilgeadh uca. Bha iad gle thaingeil dha, agus bha iad a’ leigeadh ris dha gur e ’gheibheadh bean na bainnse, agus nach b’ e am fear crotach. Bha na mnathan mar an ceudna ag radh ri bean na bainnse gur ann mar so a bha chuis gus a bhith; agus o nach robh meas sam bith aca air an fhear chrotach is ann a bha iad a deanamh culaidh-mhagaidh dheth cho math ’s a b’ urrainn daibh. Bha ’mhagaireachd a bha iad a’ deanamh air a’ toirt toilinntinn mhor do na h-uile a bha lathair. An uair a dh’ atharraich bean na bainnse na seachd trusgain, sguir an ceol agus dh’ fhalbh an luchd-ciuil dhachaidh. Dh’ iarradh air Bedredin fuireach far an robh e. Dh’ fhalbh gach neach eile a bh’ aig a’ bhanais dhachaidh mar an ceudna. Thug na maighdeanan posaidh bean na bainnse leotha do ’n t-seomar anns an robh iad gus a h-aodach a chur dhith mu’n rachadh a cur a laidhe. Cha robh anns an talla ach Bedredin agus am fear crotach, agus beagan de luchd-muinntir an taighe. Bha grain an uilc aig an fhear chrotach air Bedredin, agus sheall e gu gruamach air, agus thuirt e ris, “Co ris a thusa feitheamh an so? C’ar son nach d’ fhalbh thu mar a rinn cach? Bi falbh gu h-ealamh!” O nach robh leithsgeul aig Bedredin gu fuireach na b’ fhaide, dh’ fhalbh e ’s gun fhios aige ciod a dheanadh e ris fhein. An uair a bha e ’dol am mach air an dorus, thachair am fathach agus a’ bhean-shithe ris, agus chuir iad stad air. “C’aite am bheil thu ’dol,” ars’ a’ bhean-shithe; “cha ’n ’eil am fear crotach anns an talla idir. Chaidh e ’mach air cheann gnothaich. Faodaidh tusa tilleadh, agus a dhol do ’n t-seomar anns am bheil bean na bainnse. Cho luath ’s a dh’ fhagar ’n ar onar anns an t-seomar sibh, [TD 85] innis dhi gur tu fhein fear na bainnse, agus nach robh an righ ach air son spors a dheanamh air an fhear chrotach; agus gus a thoileachadh, gu’n d’ thugadh fa near biadh math a dheasachadh dha anns an stabull. ’Na dheigh sin cum comhradh taitneach rithe cho math ’s a theid agad air; oir, o ’n a tha thu ’na d’ dhuine cho maiseach, cha bhi e duilich dhut a thoirt oirre aontachadh gu’n ghabh i thu. Aig a’ cheart am bheir sinne an aire mhath nach till am fear crotach tuilleadh a chur dragh’ oirbh. Na cumadh ni sam bith thu gun an oidhche ’chur seachad maille ri bean na bainnse, oir is e do bhean fhein a th’ ann; cha ’n ’eil cuid no gnothach aigesan rithe.” Am feadh ’s a bha ’bhean-shithe a’ toirt misnich do Bhedredin, agus ag innseadh dha mar bu choir dha dheanamh, chaidh am fear crotach am mach as an talla mar a thubhairt i; oir chaidh am fathach ann an riochd cait a steach do ’n talla far an robh e, agus e ’miamhlaich gu h-eagalach. Bhuail esan a dha bhois ri ’cheile gus eagal a chur air e’ chat; ach an aite teicheadh is ann a sheas an cat air a chasan deiridh m’ a choinneamh, agus a dha shuil mar gu’m biodh da mheall teine. Bha e ’sior mhiamhlaich agus a’ sior fhas mor gus mu dheireadh an robh e cheart cho mor ri each. Chuir an sealladh so eagal mor air an fhear chrotach, agus ged a bha toil aige glaodh a dheanamh feuch an tigeadh cuideachadh g’ a ionnsuidh, chaill e a luths cho mor leis an eagal ’s nach b’ urrainn e aon fhacal a radh. Gus an tuilleadh eagail a chur air, ghrad chuir am fathach e fhein ann an riochd tairbh mhoir, agus thuirt e ris, “Thusa, a dhearg shlaoightire chrotaich.” An uair a chuala am fear crotach na briathran so, thilg e e-fhein air an urlar, agus, le iochdar a thrusgain, dh’ fhalaich e ’aghaidh a chum nach fhaiceadh e am beathach [TD 86] eagalach a bha m’ a choinneamh. “An righ nan tarbh,” ars’ esan, “ciod e an gnothach a th’ ag agad riumsa?” “Is an-aoibhinn dut,” ars’ am fathach, “am bheil de dhanachd agad na dh’ fheuchas ri mo bhean-sa ’phosadh?” “Mo thighearna,” ars’ am fear crotach, “tha mi guidhe ort mathanas a thoirt dhomh; oir ma rinn mi cionta, is ann gun fhios dhomh. Cha robh fhios agamsa gu’n robh a’ bhean uasal so a’ cumail leannachd ri tarbh. Bheir mi m’ fhacal dhut gu’n dean mi ni sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.” “Air m’ fhacal, ma theid thu ’mach a so,” ars’ am fathach, “no ma their thu aon fhacal gus an eirich a’ ghrian am maireach, gu’m brist mi do cheann ’na bhloighean. Ach leigidh mi leat falbh a so. Grad bhi falbh, agus thoir an aire nach seall thu ’n a d’ dheigh; ach ma thilleas tu cha bhi an tuilleadh saoghail agad.” An uair a labhair am fathach na briathran so, chuir e e-fhein ann an cruth duine, agus rug e air chasan air an fhear chrotach, agus thug e ’mach as an taigh e. Chuir e ris a’ bhalla e, agus a cheann fodha ’s a chasan os a chionn. Thuirt e ris, “Ma ghluaiseas tu as a sin gus an eirich a ghrian am maireach, beiridh mi air dha chois ort, agus sgailcidh mi do cheann ris a’ bhalla.” Rinn Bedredin gach ni mar a dh’ aithn am fathach agus a’ bhean shithe dha. Chaidh e do ’n t-seomar-chaidil, agus o nach robh bean na bainnse roimhe anns an t-seomar, shuidh e gus an tigeadh i, agus bha e ’dol fo smaointean cia mar a rachadh gach cuis leis. An ceann uine thainig bean na bainnse. Thainig seana bhean leatha thun an doruis, agus an uair a dh’ fhosgail i an dorus ’s a chaidh bean na bainnse a steach, ghuidh i oidhche mhath dhaibh, ach cha do sheall i steach co bh’ anns an t-seomar idir, ach ghlas i an dorus, agus dh’ fhalbh i. [TD 87] Ghabh bean na bainnse ioghnadh mor an uair a dh’ eirich Bedredin a chur failte oirre. “Ciod is ciall dha so, a charaid,” ars’ ise. “Ciod e chuir an so thu mu ’n am so dh’ oidhche? Feumaidh gur tu companach an fhir ris am bheil mi posda.” “Cha mi,” arsa Bedredin. “Cha ’n ’eil buintealas sam bith agam ris, agus cha mho a tha eolas agam air a leithid de chreutair granda, crotach.” “Am bheil fhios agad gu’m bheil thu ’labhairt gle thaireil mu ’n fhear a phos mise?” arsa bean na bainnse. “Cha do phos thu idir e,” ars’ esan. “Na bi ’smaointean air a leithid sin na ’s fhaide. Leig dhomhsa innseadh dhut gu’m bheil thu air do mhealladh ’na d’ bharail; oir cha bhiodh e coltach gu’m biodh boirionnach briagha mar a tha thusa air a posadh ris an duine a’s grainde dhe ’n chinne-daon gu leir. Is mise, a bhaintighearna, an duine a tha cho fortanach ’s gu’n d’ fhuair mi greim ort. Air son spors dha fhein, bha ’n righ a’ cur an ire dha d’ athair gur e am fear crotach a bha thu ’dol a phosadh, ach is mise a roghnaich e air do shon. Dh’ fhaodadh tu ’thoirt fa near mar a bha na mnathan uaisle, an luchd-ciuil, na dainnsairean, na maighdeanan posaidh, agus searbhantan an teaghlaich gu leir a’ deanamh spors dhe ’n chuis. Chuir sinn am fear crotach do ’n stabull, far am bheil e an drasta ag itheadh an deagh bhidh a dheasaicheadh dha; agus faodaidh tu bhith cinnteach nach fhaic thu sealladh dheth gu brath tuilleadh.” Ged a bha ’cridhe gu bristeadh le bron an uair a chaidh i steach do ’n t-seomar ’s i ’n duil gur e am fear crotach a bha roimpe, dh’ fhas i anabarrach toilichte an uair a chuala i na briathran so; agus leis cho aoidheil ’s cho tlachdmhor ’s a bha i ’g amharc, gabh Bedredin gaol mor oirre. “Cha robh duil sam bith agam,” ars’ ise, “gu’n tionndadh cuisean am mach cho taitneach so; oir bha mi [TD 88] ’gam dheanamh fhein cinnteach nach biodh latha no oidhche sona agam ri mo bheo. Ach tha mi gle fhortanach gu’n d’ fhuair mi fear a tha airidh air meas is urram is gradh ’fhaotainn uam.” An uair a labhair i na briathran so chuir i dhith a h-aodach, agus chaidh i laidhe. Bha aoibhneas mor air Bedredin air son gu’n d’ fhuair e bean a bha cho maiseach, cho tlachdmhor, agus cho urramach ’s a bh’ anns an Eiphit gu leir, agus gun dail sam bith chaidh e laidhe mar an ceudna. Chuir e a chuid aodaich air cathair, comhladh ris a’ phoca anns an robh an t-or a thug an t-Iudhach dha. Ach a dh’ aindeoin na thug e seachad dhe ’n or an uair a bha ’bhanais a’ dol air aghart, bha ’m poca cho lan ’s a bha e riamh. Chuir e dheth an cionadhar (turban) a bha m’ a cheann, agus chuir e uime currachd oidhche, agus chaidh e laidhe ’na leine agus ’na hhrathais; oir b’e so cleachdadh na duthchadh. Beagan mu’n do shoilleirich an latha, an uair a bha Bedredin agus a bhean gu trom ’nan cadal, choinnich am fathach agus a’ bhean-shithe ri ’cheile, agus thuirt am fathach rithe, gu’n robh lan am aca crioch a chur air an obair a ghabh iad os laimh, agus a chaidh leotha cho math. “Cha ’n fhada gus am bi an latha ann,” ars’ am fathach, agus feumaidh sinn crioch a chur air ar n-obair mu’n d’ thig an latha. Bheir thusa air falbh fear na bainnse gun a dhusgadh, agus fagaidh tu an aiteiginn fad as e. CAIB. VIII. CHAIDH a’ bhean-shithe do ’n t-seomar-chadail far an robh Bedredin agus a bhean ’n an cadal gu trom, agus thog i leatha Bedredin gun fhios gun fhaireachadh dha mar a bha e, sin ri radh, ’na leine ’s ’na dhrathais, agus dh’fhalbh [TD 89] i fhein ’s am fathach leis le luaths do-labhairt, agus dh’ fhag iad e ’na shineadh aig geata Dhamascuis, ann an Siria. Rainig iad leis ann an soilleireachadh an latha, direach anns an am ’s an robh luchd-dreuchd na h-eaglais a’ toirt gairm do mhuinntir a’ bhaile gus a dhol gu urnuigh na maidne. An uair a dh’ fhosgladh geata ’bhaile, thainig moran sluaigh am mach, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad Bedredin ’na shineadh air an talamh ’s gun air ach a leine ’s a dhrathais. Thuirt neach dhiubh, “Bha am fear so ann an taigh anns nach robh gnothach aige bhith, agus thainig a’ chuis cho cabhagach air ’s nach d’ fhuair e uine air a chuid aodaich a chur uime.” “Seall sibhse,” arsa neach eile, “mar a ni daoine culaidh-bhruidhne dhiubh fhein. Cha ’n ’eil teagamh nach do chaith e a’ chuid bu mho dhe ’n oidhche ag ol agus an sin, is docha gu’n deachaidh e ’mach, agus an aite tilleadh, gu’n do thuit e ’na chadal.” Bha feadhain eile de chaochladh bharailean; ach cha b’ urrainn a h-aon sam bith dhiubh a dheanamh am mach cia mar a thachair dha bhith ’na shineadh an sid. An uair a chunnaic iad cho maiseach ’s a bha e, agus gu’n robh a chneas cho geal ris an t-sneachda, ghabh iad ioghnadh mor, agus leis a’ chath bhruidhne a bh’ orra, dhuisg iad e. Ma bha ioghnadh orrasan air son esan fhaicinn anns an t-suidheachadh ’s an robh e, is ann a bha ’n t-ioghnadh air-san an uair a fhuair e e-fhein aig geata baile anns nach robh e riamh roimhe, agus e air a chuartachadh le moran sluaigh a bha ’beachdachadh gu dur air. “A dhaoin’ uaisle,” ars’ esan, “innsibh dhomh c’ait am bheil mi, agus cia mar a thainig mi an so?” Labhair fear dhe ’n chuideachd ris, agus thuirt e, “A dhuin’ oig, dh’ fhosgladh geata ’bhaile o chionn tiotaidh, [TD 90] agus an uair a thainig sinn am mach, fhuair sinn thu ’n ad shineadh anns an t-suidheachadh so, agus sheas sinn a dh’ amharc ort. An robh thu ’n ad shineadh an so fad na h-oidhche? Am bheil fhios agad gu’m bheil thu aig aon de gheatachan Dhamascuis?” “Aig aon de gheatachan Dhamascuis!” arsa Bedredin. “Feumaidh gur ann a’ fanaid orm a tha sibh. An uair a chaidh mi chadal an raoir, bha mi ann an Cairo.” An uair a thuirt e so, ghabh cuid dhe ’n t-sluagh truas dheth, agus thuirt iad, “Nach muladach an gnothach gu’m biodh duine cho maiseach ris an deis a dhol as a rian!” “A mhic,” arsa seann duine uasal ris, “cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Cia mar a tha e comasach gu’m biodh tu ’s a’ mhadainn so ann an Damascus ma chaidh thu chadal an raoir ann an Cairo?” “Tha e fior gu leor an deigh a h-uile car,” arsa Bedredin; “oir tha mi comasach air mo mhionnan a thabhairt gu’n robh mi fad an latha ’n de ann am Balsora.” Cha bu luaithe ’labhair e na briathran so na thoisich an sluagh uile ri gaireachdaich, agus ri radh, “Cha ’n ’eil ann ach an t-amadan, tha ’n caoch dearg air.” Ach bha truas aig cuid dhe ’n t-sluagh ris, a chionn gu’n robh e ’na dhuin’ og maiseach; agus thuirt aon dhe na bha ’s a’ cuideachd ris, “A mhic, tha thu as do rian gun teagamh sam bith; cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Am bheil e comasach gu’m biodh duine a bha ’n de ann am Balsora, an raoir ann an Cairo, an diugh ann an Damascus? Feumaidh gu’m bheil thu fhathast ’n ad chadal. So so, duisg as do chadal.” “Tha h-uile facal a tha mi ’g radh fior gu leor, oir phos mi an raoir ann an Cairo,” arsa Bedredin. An uair a chual’ an sluagh so, thoisich iad a rithist ri gairdeachdaich. [TD 91] “Smaoinich ort fhein,” ars’ am fear a labhair ris an toiseach; “cha ’n ’eil teagamh nach do bhruadair thu sin, agus tha thu ’smaoineachadh gu’m bheil e uile fior.” “Tha fhios agam gur i an fhirinn a tha mi ’g radh,” arsa Bedredin. “Tha mi guidhe oirbh gu’n innis sibh dhomh cia mar a bha e comasach dhomh a dhol ann am bruadar do Chairo, far am bheil mi lan chinnteach gu’n robh mi an raoir, agus far an d’ thugadh bean-na-bainnse seachd uairean ’n am lathair le trusgan ur oirre a h-uile uair. A bharrachd air sin, bu mhath leam fios fhaotainn ciod a dh’ eirich do ’n deise a bha umam, do ’n chionadhar a bha m’ am cheann, agus do ’n phoca anns an robh an t-or a bh’ agam ann an Cairo.” Ged a thug e iomadh dearbhadh dhaibh gu’n robh na bha e ag innseadh dhaibh fior gu leor, cha b’ urrainn daibh gun a bhith gaireachdaich ris. Chuir a h-uile rud a bh’ ann cho mor troimh a cheile e ’s nach robh fhios aige ciod a theireadh e. Mu dheireadh dh’ eirich e gus a dhol a steach do ’n bhaile, agus bha h-uile neach a lean e a’ glaodhaich, “Duine as a rian, amadan!” Bha feadhainn ag amharc am mach air na h-uinneagan, bha feadhainn ag amharc am mach air na dorsan, agus bhai feadhainn eile ’falbh ’na dheigh comhladh ris a’ mhor chuideachd a lean steach e air geata ’bhaile, agus bha iad a’ glaodhaich, “Duine as a rian!” ged nach robh fhios aca c’ar son. Air dha bhith ann an iomacheist mhoir leis mar a bha ’n sluagh a’ falbh ’na dheigh, chaidh e steach do bhuth fuineadair g’ a fhalach fhein o ’n t-sluagh. Bha ’m fuineadair so aon uair ’na cheannard air buidhean robairean a bhiodh a’ spuinneadh luchd-turuis a bhiodh a’ dol troimh fhasaichean Arabia; agus ged a bha e ’fuireach ann an Damascus, agus ’g a ghluasad fhein iomchuidh gu leor, gidheadh bha eagal aig a h-uile duine [TD 92] roimhe. Air an aobhar sin, cho luath ’s a chaidh e ’mach far an robh na daoine a bha ’leantuinn Bhedredin, thug iad iad-fhein as leis an eagal a bh’ aca roimhe. An uair a thill am fuineadair a steach, dh’ fheoraich e de Bhedredin co e, agus ciod a thug an sid e. Dh’ innis Bedredin dha gu saor soilleir gach ni air am b’ fhiosrach e mu thimchioll a bhreith is araich, agus mu thimchioll an t-suidheachaidh anns an robh na daoine o ’n d’ thainig e. ’Na dheigh sin dh’ innis e dha c’ar son a dh’ fhalbh e a Balsora; cia mar, an deigh dha bhith ’na chadal air uaigh ’athar, a fhuair e e-fhein ann an Cairo, far an do phos e bean uasal; agus mu dheireadh, an t-uamhas mor a bh’ air an uair a fhuair e e-fhein ann an Damascus, agus gun fhios aige cia mar a thachair a leithid de dhriodartan dha. “Tha na dh’ innis thu dhomh anabarrach iongantach,” ars’ am fuineadair; “ach ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, cha leig thu ris iad do dhuine sam bith, ach feith gu foighidneach gus an cuir am Freasdal crioch air do mhi-fhortan. Faodaidh tu fuireach comhladh riumsa gus a sin; agus o nach ’eil clann agam, bidh tu agam mar mo mhac, ma bhios tu fhein deonach. Agus an deigh dhomhsa do ghabhail ugam mar mo mhac, faodaidh tu falbh air feadh a’ bhaile uair sam bith a thogras tu, agus cha chuir neach sam bith dragh ort. Ged a bha Bedredin air a bhreith ’s air arach ann an inbhe ro ard os cionn an fhuineadair, ghabh e gu toileach an tairgse a thug am fuineadair dha, o ’n a bha e ’creidsinn nach b’ urrainn da, anns an t-suidheachadh ’s an robh e, tairgse na b’ fhearr ’fhaotainn. Thug am fuineadair deise mhath aodaich dha, agus chaidh e leis far an robh sgriobhadair, agus ann an lathair fhianuisean chuir e ’lamh ri paipear, ag aideachadh gu’n robh e ’gabhail ris mar a mhac. ’Na dheigh sin dh’ [TD 93] fhuirich Bedredin comhladh ris, agus dh’ ionnsaich e an fhuineadaireachd. Anns an am ’s an robh na nithean so a dh’ ainmicheadh a nis a’ dol air aghart ann an Damascus, dhuisg nighean Shemsedin, agus o nach robh Bedredin ’na laidhe ’s an leabaidh comhladh rithe, shaoil i gu’n d’ eirich e gu socrach air eagal a dusgadh, ach bha i ’smaohitean gu’n tigeadh e air ais gun dail. An uair a bha i mar so ’ga fheitheamh, thainig a h-athair gu dorus an t-seomair, agus e gle fharranach a chionn gu’n do chuir an righ masladh mor air a nighinn. Cha b’ ann gu failte chridheil a chur oirre a thainig e, ach gu teannadh ri bron ’s ri caoidh maille rithe. Ghairm e oirre air a h-ainm, agus o ’n a dh’ aithnich i a ghuth, ghrad dh’ eirich i, agus dh’ fhosgail i an dorus. Thug i pog dha laimh, agus bha leithid a dh’ aoidh ’s a thoileachadh oirre ’s gu’n do ghabh a h-athair ioghnadh gu leor. Bha e ’n duil gur ann a gheibheadh e i gu tursach, deurach, trom-inntinneach. “A chreutair thruaigh,” ars’ esan, ’s coltas feirge air, “an e so suidheachadh anns am bheil thu? Cia mar is urrainn dut a bhith cho toilichte ’s a tha thu an deigh na tha thu air fhaotainn de mhasladh ’s de thamailt?” An uair a chunnaic i gu’n robh fearg air a h-athair a chionn i bhith cho aoidheil ’s cho toilichte, thuirt i ris, “Am ainm Dhe, na bi ’g am chaineadh gun aobhar. Cha ’n e am fear crotach a phos mi idir; oir is lugha orm e na ’m bas. Bha h-uile duine a bha aig a’ phosadh a’ magadh air, agus thug iad air teicheadh air falbh. ’Na aite phos mi duine uasal og cho maiseach ’s a chunnaic suil riamh. “Ciod a tha ’toirt ort a bhith ’g innseadh leithid sin de naigheachd gun doigh dhomh?” arsa h-athair, ’s e ’labhairt rithe gu frionasach. “An e nach robh am fear crotach ’na laidhe comhladh riut fad na h-oidhche?” “Cha robh gu dearbh,” ars’ ise; “is e bh’ ann an [TD 94] duine og maiseach a dh’ ainmich mi. Tha suilean mora, briagh’ aige, agus malaidhean dubha.” An uair a chual’ a h-athair so, chaill e ’fhoighidin buileach glan, agus dh’ fhas e anabarrach cas. “Ah! a bhoirionnaich aingidh,” ars’ esan, “cuiridh tu as mo chiall mi!” “Tha sibhse, ’athair, air thuar mise a chur as mo chiall le bhur n-as-creideamh.” “Cha ’n ’eil e fior, tha ’chuis coltach,” ars’ esan, “gu’n robh am fear crotach ’na laidhe comhladh riut.” “Na cluinneam guth tuilleadh air an fhear chrotach,” ars’ ise: “mo mhollachd air! Am feumar a bhith ’ga thilgeadh orm gun fhois? Tha mise ’g innseadh dhuibh aon uair eile nach do laidh e idir comhladh rium, ach gur e laidh comhladh rium m’ fhear-posda gaoil, a tha ’n aiteiginn gun bhith fad air falbh.” CAIB. IX. CHAIDH Shemsedin am mach feuch am faiceadh e am fear a phos a nighean; ach an aite fhaicinn, bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e am fear crotach ri tacsa ’bhalla, agus a cheann fodhna ’s a chasan os a chionn. “Ciod is ciall dha so?” ars’ esan; “co chuir an so thu?” Dh’ aithnich am fear crotach gu math gur e ’n t-ard-chomhairleach a bha bruidhinn ris, agus thuirt e, “Ochan! ochan! bha duil agad gu’n tugadh tu ormsa leannan tairbh a phosadh—an leannan a bh’ aig an fhathach ghranda. Cha ’n ’eil mi cho gorach; cha toir thu ’n car asam idir.” An uair a chuala Shemsedin mar a labhair am fear crotach, shaoil leis gur ann as a chiall a bha e, agus dh’ iarr e air a bhith falbh as an aite an robh e. [TD 95] “Bheir mi an aire mhath nach gabh mi do chomhairle mur d’ eirich a’ ghrian. Innsidh mi so dhut; an uair a chaidh mi do ’n t-seomar mhor an raoir, thainig cat mor dubh far an robh mi, agus ann an tiotadh dh’ fhas e cho mor ri tarbh. Cha do dhi-chuimhnich mi fhathast na thuirt e rium, air an aobhar sin, bi thusa ’falbh air cheann do ghnothaich fhein, agus fag mise far am bheil mi.” An aite falbh is ann a rug Shemsedin air chasan air an fhear chrotach, agus chuir e na sheasamh air an talamh e. Cha bu luaithe fhuair e chasan air an talamh na ruith e air falbh cho luath ’s a b’ urrainn e. Cha do leig e ’n ceum ruith as a chois gus an d’ rainig e far an robh an righ. Dh’ innis e do ’n righ a h-uile car mar a rinn am fathach air. Agus rinn an righ gaireachdaich gu leor an uair a chual’ e mar a dh’ eirich dha. Thill Shemsedin do ’n t-seomar anns an robh a nighean, agus barrachd ioghnaidh air na bh’ air roimhe. “Seadh, a nighean bhochd,” ars’ esan, “an urrainn dut an tuilleadh soluis a chur air a’ ghnothach so dhomh?” “Le ’r cead,” ars’ ise, “cha ’n urrainn domhsa ni sam bith innseadh dhuibh m’ a dheidhinn ach na dh’ innis mi mar tha. Sin agaibh air a’ chathair mu ’r coinneamh an t-aodach a bha mu ’n fhear a phos mi; is docha gu’m faigh sibh ni eiginn ann a dhearbhas dhuibh gu’m bheil mise ’g innseadh na firinn.” Thog a h-athair an ceann aodach a bh’ aig Bedredin ’na laimh, agus bheachdaich e gu dluth air. “Theirinn gur e ceannaodach ard-chomhairlich a th’ ann,” ars’ esan, “mur b’ e gur ann am Mosul a rinneadh e.” Ach an uair a thug e an aire gu’n robh ni eiginn air fhuaghal eadar an t-aodach agus an linige, dh’ iarr e siosar, agus an uair a dh’ fhosgail e an linige, fhuair e am paipear a thug Nuredin dha mhac, Bedredin, air leabaidh a’ bhais, agus a dh’ fhuaigh Bedredin ’na cheannaodach gus a ghleidheadh gu tearuinte. [TD 96] An uair a dh’ fhosgail Shemsedin am paipear b’ e na ceud fhacail a leugh e, “Do mo mhac, Bedredin.” Anns a’ mhionaid dh’ aithnich e lamh-sgriobhaidh a bhrathar. Mu ’n dubhairt e facal sam bith m’ a dheidhinn, thug a nighean dha am poca a bha fo ’n aodach a bh’ air a’ chathair agus anns an robh an t-or. Dh’ fhosgail e e, agus fhuair e luma lan de bhuinn oir e; oir, mar a dh’ innis mi mar tha, ged a bha Bedredin gle fhialaidh mu ’n or an oidhche roimhe sid, bha ’m fathach agus a’ bhean-shithe ’g a chumail cho lan ’s a bha e riamh. Bha paipear beag anns a’ phoca air an robh na facail a leanas sgriobhte:— “Mile bonn oir a bhuineas do dh’ Isaac an t-Iudhach.’ Agus fo na briathran so bha sgriobhte mar an ceudna, “A thug e do Bhedredin air son an luchd a th’ anns a’ cheud te dhe na loingeas a bhuineas dha ’athair urramach nach maireann, a thig gu calla.” Mu ’n gann a leugh e na briathran so, thug e glaodh as, agus thuit e ann an laigse. An uair a thainig e as an laigse, thuirt e, “A nighean, na biodh eagal ort, ged a thachair dhomh fannachadh; is gann a tha e comasach dhut an t-aobhar a chreidsinn. Tha am mile bonn oir a th’ anns a’ phoca a’ cur ’nam chuimhne gu’n deachaidh mi fhein ’s mo bhrathair gaoil thar a cheile. Gun teagamh sam bith is e so an tochra a tha e ’toirt dhut. Moladh do Dhia air son nan uile nithean, agus gu sonraichte air son na doigh mhiorbhuilich anns an d’ thainig na nithean iongantach so gu crich, leis am bheil e ’nochdadh dhuinn a chumhachd neo-chriochnach.” Sheall e rithist air an sgriobhadh caochladh uairean, agus shil e na deoir gu frasach. Sheall e thairis air an leabhar o ’thoiseach gu ’dheireadh, agus fhuair e sgriobhte ann a’ cheart latha dhe ’n mhios air an d’ rainig a bhrathair Balsora, an latha ’phos e, agus an latha air an d’ rugadh Bedredin; agus an uair a thug e fa near a’ chuis, chunnaic e gur ann air a’ cheart [TD 97] latha dhe ’n mhios air an do phos a bhrathair ann am Balsora, a phos e fhein ann an Cairo, agus mar an ceudna, gu’m b’ ann air a’ cheart latha air an d’ rugadh Bedredin, a rugadh a nighean fhein. Chuir an co-chordadh a bh’ eadar na nithean so ioghnadh mor air. Bha na nithean so a fhuair e mach ’nan aobhar aoibhneis cho mor dha ’s gu’n d’ thug e leis an leabhar agus am paipear sgriobhte a bh’ air a’ phoca anns an robh an t-or gus an sealltainn do ’n righ. Thug an righ dha mathanas anns na chaidh seachad, agus an uair a chual’ e mar a dh’ eirich do ’n fhear chrotach, agus mu gach ni eile a thachair aig a’ phosadh, chord an sgeul cho math ris ’s gu’n d’ thug e fa near an sgriobhadh a chum gu’m biodh iad feumail do gach neach a leughadh iad ’na dheigh sin. Aig a’ cheart am cha b’ urrainn Schemsedin, an t-ard-chomhairleach, a thuigsinn c’ar son a dh’ fhalbh mac a bhrathar cho trath ’s a’ mhadainn an deigh dha posadh, agus nach do thill e tuilleadh. Bha duil aige ris a h-uile mionaid, o ’n a bha e ’gabhail fadachd gus an cuireadh e failte chridheil, chaoimhneil air. An ceann seachdain an uair a thug e duil-thairis dheth, chuir e daoine air a thoir air feadh a’ bhaile, ach cha chual’ iad guth no iomradh air. Chuir so ioghnadh mor air. “Is e so,” ars’ esan, “rud a’s iongantaiche a chunnaic no chuala duine riamh.” O nach robh fhios aige cia mar a dh’ fhaodadh cuisean tachairt, smaoinich e gu’m bu choir dha mion-chunntais a chur sios ann an sgriobhadh mu thimchioll gach ni a thachair aig a’ bhanais, agus mu ’n doigh anns an robh earnais talla na bainnse, agus seomar-cadail a nighinn air an cur an ordugh. Mar an ceudna cheangail e suas an cionadhar, am poca ’s an robh an t-or, agus gach ni eile a bhuineadh do Bhedredin, agus chuir e fo ghlais iad. An ceann beagan uine dh’ aithnich nighean an ard-chomhairlich gu’n robh i leith-tromach, agus an ceann tri [TD 98] raithean dh’ aiseadadh air mac i. Fhuaradh banaltrum do ’n leanabh, agus thug a sheanair Agib mar ainm air. An uair a bha Agib seachd bliadhna dh’ aois chuir a sheanair do ’n sgoil e, agus dh’ earbadh ri dithis sheirbhiseach an aire a thoirt dha an am dha bhith ’falbh do ’n sgoil agus a’ tilleadh dhachaidh. Bhiodh Agib a’ cluich comhladh ris na sgoilearan eile, agus o ’n a bha iad uile ann an inbhe na b’ isle na esan, bhiodh iad a’ toirt mor urram dha, a reir na h-eiseimpleir a bha am maighstir a’ cur rompa, agus ged a dheanadh e iomadh cron, gheibheadh e sin a leigeadh leis mar nach fhaigheadh a h-aon sam bith eile a bh’ anns an sgoil. Bha Agib cho mor air a mhilleadh leis gach fabhar agus urram a bha na sgoilearan ’s am maighstir sgoile a’ nochdadh dha ’s gu’n d’ fhas e mu dheireadh cho mor as fhein, agus cho mi-mhodhail ’s nach b’ urrainn na sgoilearan eile ach gann cur suas leis. Dh’ fheumadh a thoil fhein a bhith aige anns gach ni. Na ’n cuireadh a h-aon sam bith dhiubh facal ’na aghaidh, chaineadh e thun am brog iad, agus ghabhadh e orra gu laidir. Mu dheireadh dh’ fhas na sgoilearan cho sgith dhe dhoighean ’s gu’m b’ fheudar dhaibh gearain a dheanamh air ris a’ mhaighstir sgoile. Thuirt am maighstir sgoile riutha gu’m feumadh iad foighidin a bhith aca. Ach an uair a chunnaic e gu’n robh Agib a’ sior fhas na bu mhi-mhodhaile a h-uile latha, agus ag aobharrachadh moran dragha dha fhein ’s do na sgoilearan, thuirt e ris na sgoilearan, “A chlann, tha mi ’faicinn nach ’eil ann an Agib ach uasal beag gle mhi-mhodhail. Innsidh mise dhuibh mar a bheir sibh a leithid de thamailt dha ’s gu’n sguir e bhith cur dragh oirbh; agus is docha gu’n toir sibh air falbh as an sgoil. An uair a thig e am maireach, agus a dh’ aontaicheas sibh teannadh ri cluich mar a b’ abhaist dhuibh, seasaibh uile mor-thimchioll air, agus [TD 99] abradh fear dhibh, Cha leig sinn le fear sam bith a dhol a chluich an diugh ach fear a dh’ innseas dhuinn ainm fhein, agus ainm ’athar ’s a mhathar. A h-uile fear nach innis so, cha bhi againn air ach meas duine dhiolain, agus cha leig sinn leis a bhith ’cluich ’n ar cuideachd.” An ath latha, an uair a chruinnich iad rinn iad mar a dh’ aithn am maighstir dhaibh. Sheas iad mor-thimchioll air Agib, agus thuirt fear dhiubh, “Toisicheamaid ri cluich, ach air a chumhnanta gu’n cuirear a h-uile fear nach innis ainm fhein, agus ainm ’athar ’s a mhathar, am mach as ar cuideachd.” Dh’ aontaich iad uile gu’n robh so ceart gu leor, agus bha Agib air a’ cheud fheadhain a chuir an aonta ris. An sin dh’ fheoraich a’ cheud fhear a labhair, ainm gach fir an deigh a cheile. An uair a chuireadli a’ cheist air Agib thuirt e, “Is e Agib m’ ainmsa, theirear a’ bhaintighearna mhaiseach ri m’ mhathair, agus is e m’ athair, Schemsedin Mohamed, ard-chomhairleach an righ.” An uair a chual’ a’ chlann uile so ghlaodh iad am mach aird an claiginn, “Agib, ciod a thubhairt thu? Is e tha ’n sin ainm do sheanar, agus cha ’n e ainm d’ athar.” “Mo mhollachd oirbh,” ars’ esan, ’s e ann am mullach na feirge, “ciod e tha sibh ag radh! an dana leibh a radh nach e Schemsedin Mohamed m’ athair?” “Cha ’n e, cha ’n e, ghlaodh iad uile ’s iad a’ deanamh glag mor gaire, “is e th’ ann do sheanair, agus mar sin cha ’n fhaod thu ’bhith cluich maille ruinne. Bheir sinn ar ceart aire gu’n cum sinn as ar cuideachd thu.” An uair a thuirt iad so, dh’ fhag iad e far an robh e, agus dh’ fhalbh iad ’s iad a’ magadh air ’s a’ gaireachdaich ’n am measg fhein. Chuir so a leithid de thamailt air Agib ’s gu’n do thoisich e ri caoineadh. Bha am maighstir sgoile faisge air laimh aig an am, agus chual’ e a h-uile facal a bh’ eadar na sgoilearan is [TD 100] Agib. Chaidh e far an robh Agib ’na sheasamh, agus thuirt e ris, “Agib, am bheil fhios agad idir gur e Schemsedin Mohamed, ard-chonmhairleach an righ, do sheanair, athair do mhathar? Cha ’n ’eil fhios againne air ainm d’ athar na ’s mo na th’ agad fhein. Tha fhios againn gu’n robh an righ gus a thoirt air do mhathair aon dhe na seirbhisich a b’ isle a bh’ anns an stabull a phosadh—duine beag, granda, crotach; ach laidh fathach comhladh rithe oidhche na bainnse. Tha so gun teagamh gle dheuchainneach dhutsa, agus bu choir gu’n tugadh e ort gun a bhith cho uaibhreach ’s a tha thu, agus gun a bhith ’deanamh tair air na sgoilearan mar bu ghnath leat.” Chuir so Agib bhar a shiuil buileach glan, agus dh’ fhalbh e ’na ruith dhachaidh as an sgoil ’s e sior chaoineadh. Ghabh e direach do ’n t-seomar anns an robh a mhathair, agus an uair a chunnaic i an staid anns an robh e ghabh i eagal, agus dh’ fheoraich i ciod a bha cur dragh air. Cha b’ urrainn e freagairt a thoirt dhi, leis mar a bha e cho mor troimh a cheile eadar ardan is tamailt is caoineadh. An drasta ’s a rithist theireadh e facal no dha eadar a h-uile meall caoinidh a thigeadh air, ach cha b’ urrainn a mhathair bun no barr a dheanamh dhe na bha e ag radh. CAIB. X. AN uair a bha Agib sgith caoinidh thuirt e ri ’mhathair, “As uchd Dhe riut, tha mi guidhe ort gu’n innis thu dhomh co is athair dhomh.” “A mhic,” ars’ ise, “is e Schemsedin Mohamed, a tha h-uile latha deanamh na h-uiread dhiot, is athair dhut.” “Cha ’n ’eil sibh ag innseadh na firinn dhomh,” ars’ esan; “is e bhur n-athair fhein, ach cha ’n e m’ athair-sa idir. Ach co dha is mac mi?” [TD 101] An uair a chual’ a mhathair so thainig na nithean a thachair oidhche na bainnse as ur gu a cuimhne, agus mar a bha i fad iomadh bliadhna ’caitheamh a beatha mar bhantraich. Thoisich i ri sileadh dheur gu frasach, agus ri gearain gu goirt air a’ chall a thainig oirre an uair a chaill i Bedredin, fear posda cho tlachdmhor ’s a b’ urrainn a bhith aig mnaoi. An uair a bha i mar so a’ caoidh maille ri Agib, co thigeadh a steach ach an t-ard-chomhairleach, agus ghrad dh’ fheoraich e ciod a b’ aobhar do ’n bhron a bh’ aca. Dh’ innis a nighean dha mar a naraicheadh Agib anns an sgoil. Chuir so dragh-inntinn cho mor air an ard-chomhairleach ’s gu’n do thoisich e ri gul comhladh riutha. Thuig e gu math gu’n robh fios aig sluagh a’ bhaile air a’ mhi-fhortan a thachair dh’ a nighinn, agus chuir so gu bron ’s gu tuirse e buileach glan. Anns an t-suidheachadh bhronach so chaidh e gun dail sam bith do luchairt an righ, agus air dha e fhein a leigeadh ’na shineadh aig casan an righ, dh’ innis e dha mar a bha cuisean, agus ghuidh e air gun tugadh e cead dha a dhol air thurus troimh dhuthchannan na h-aird an ear, ach gu sonraichte do Balsora, feuch am faigheadh e sgeul air Bedredin, mac a bhrathar. Oir cha robh e ’n comas dha na b’ fhaide laidhe fo ’n a’ mhi-chliu a bha muinntir a’ bhaile a’ cur air a theaghlach an uair a bha iad a’ creidsinn, agus ag aithris o bheul gu beul, gu’n robh mac aig a nighinn bho fhathach. Chuir an suidheachadh anns an robh an t-ard-chomhairleach dragh-inntinn air an righ, agus dheonaich e gu toileach cead a thoirt dha falbh a dh’ iarraidh forofhais air mac a bhrathar. Dh’ ordaich e paipear a sgriobhadh dha leis am faigheadh e cead anns gach rioghachd do ’n rachadh e lan-fhorofhais a deanamh air son mac a bhrathar, agus a thoirt leis air ais do ’n Eiphit na’m [TD 102] faigheadh e greim air. Bha Schemsedin cho taingeil do ’n righ air son a’ chaoimhneis a nochd e dha ’s gu’n do leig e e-fhein ’na shineadh air a bheulaobh an dara uair mar comharradh air cho taingeil ’s a bha e, agus anns an t-suidheachadh so, shil e gu frasach deoir taingealachd. Mu dheireadh an uair a ghuidh e gu durachdachd gu’n soirbhicheadh leis an righ anns gach doigh, ghabh e a chead dheth agus chaidh e dhachaidh. Gun dail sam bith thoisich e ri deanamh deiseil air son an turuis, agus an ceann cheithir latha bha gach ni glan, deiseil air son falbh. Dh’ fhalbh e fhein agus a nighean is Agib, agus a mheud de sheirbhisich ’s de luchd-frithealaidh ’s a shaoileadh e a bhiodh feumail dhaibh. Chuir iad an aghaidh air an t-slighe gu Damascus, agus lean iad rompa gun stad fad naoi latha deug, ach gu’n robh iad a’ gabhail fois fad dubhagan na h-oidhche. Ach air an fhicheadamh latha rainig iad comhnard maiseach a bha beagan astair o bhaile Dhamascuis. Stad iad an sin, agus chuir iad suas am buthan aig bruaich aimhne a tha ’ruith troimh ’n bhaile, agus a tha cur sealladh maiseach air an tir mu ’n cuairt. Chuir an t-ard-chomhairleach roimhe gu’n cuireadh e seachad da latha anns an aite so, agus ’na dheigh sin gu’n gabhadh e air aghart air a thurus. Anns a’ cheart am thug e cead do ’n mhumntir a bha ’na chuideachd a dhol do Dhamascus. Chaidh a’ chuid mhor dhiubh ann. Chaidh feadhainn ann a ghabhail ioghnaidh dhe na seallaidhean ro mhaiseach a bha ri ’m faicinn anns a’ bhaile, agus chaidh cuid eile ann a reic caochladh sheorsachan bathair a thug iad leotha as an Eiphit, no a cheannach cuid dhe na nithean iongantach, annasach a bha ri an reic anns a’ bhaile. Thug a mhathair cead a dh’ Agib a dhol do ’n bhaile maille ri cach, agus dh’ ordaicheadh do ’n chaillteanach dhubh, am fhear do [TD 103] ’m bu ghnath ’bhith gabhail curam dheth, falbh comhladh ris air eagal gu’n eireadh beud dha. Chuireadh deise anabarrach riomhach air Agib, agus dh’ fhalbh e fhein agus am fear a bha ’g a choimheadachd do ’n bhaile. Bha Agib na phaisde og cho maiseach ri h-aon a b’ urrainn suil fhaicinn, agus cha bu luaithe a chaidh e steach do ’n bhaile na bha aire an t-sluaigh gu buileach air a tarruinn g’ a ionnsuidh. Thainig cuid am mach as na taighean a chum sealladh na b’ fhearr fhaotainn dheth; bha cuid eile ag amharc am mach air na h-uinneagan; agus cha ’n fhoghnadh leis an fheadhainn a bha coiseachd air an t-sraid seasamh a shealltainn air ’san dol seachad, ach dh’ fheumadh iad a bhith ’coiseachd ri ’thaobh agus ’na dheigh leis an tlachd a ghabh iad dheth. A dh’ aon fhacal, cha robh neach a chunnaic e nach do ghabh tlachd dheth, agus nach d’ thug mile beannachd air an athair ’s air a’ mhathair a chuir a leithid de phaisde tlachdmhor a dh’ ionnsuidh an t-saoghail. Thachair dha fhein agus do ’n fhear a bha gabhail curam dheth a dhol seachad air a’ bhuthaidh anns an robh Bedredin, agus bha ’n sluagh a bha ’g an cuartachadh cho dumhail ’s gu’m b’ fheudar dhaibh seasamh far an robh iad. Fhuair an cocaire-phitheannan (pastry-cook) a ghabh Bedredin g’ a ionnsuidh mar a mhac fhein bas aireamh bhliadhnachan roimhe sid, agus dh’ fhag e a’ bhuth agus gach ni eile a bhuineadh dha aig Bedredin. Agus mar so bu le Bedredin a’ bhuth, agus bha e ’deanamh a ghnothaich cho fìor mhath ’s gu’n do choisinn e cliu mor ann am baile Dhamascuis gu leir. An uair a chunnaic Bedredin an aireamh mhor shluaigh a bha ’n an seasamh aig a dhorus, agus iad uile ag amharc le mor-ioghnadh air Agib, agus air an duine dhubh a bha cuide ris, chaidh e fhein am mach gu sealladh ceart fhaotainn dhiubh. [TD 104] Cha bu luaithe a chunnaic Bedredin Agib na ghabh e tlachd anabarrach mor dheth, ach cha b’ urrainn e radh, c’ar son. Cha do chuir maise a’ phaisde mor-ioghnadh sam bith air mar a chuir e air daoine eile; ach bha aobhar eile ann, ged nach robh fhios aigesan air, air son gu’n do tharruinn a chridhe g’ a ionnsuidh. B’ e faireachdainean athar a thaobh mic a thug air an obair a bh’ aige a leigeadh as a laimh, agus a thug air ceum a ghabhail far an robh Agib, agus le aoidh air a ghnuis, a radh ris, “Mo thighearn’ og, a ghabh greim air mo chridhe, bi cho math ’s gu’n tig thu steach do ’n bhuthaidh agam a chum gu’n ith thu rud dhe ’n bhiadh a th’ agam; a chum gu’m bi de thoileachadh agam beachdachadh ort air mo shocair fhein.” Labhair e na briathran so ann an doigh cho blath-chridheach ’s gu’n robh na deoir a’ sruthadh o ’shuilean. Dhruigh iad cho mor air Agib ’s gu’n do labhair e ris a’ chaillteanach mar so, “Is toigh leam an coltas a th’ air aghaidh an duine choir so. Tha e labhairt ann an doigh cho chaoimhneil ’s nach urrainn domh gun deanamh mar a tha e ’g iarraidh orm. Rachamaid a steach do ’n taigh aige, agus blaiseamaid na pitheannan a tha e ’deasachadh.’ “Gu cinnteach ceart bu chiatach an gnothach dhutsa, mac ard-chomhairlich mar a tha thu, a dhol a steach a dh’ itheadh do bhuth cocaire. Na bi ’smaointean gu’n leig mise leat a leithid de ni suarach a dheanamh,” ars’ an caillteanach. “Ochan! mo thighearn’ og,” arsa Bedredin, “is e gnothach eucorach do leithid ’earbsadh ri fear a tha cho cruaidh ort.” An sin thionndaidh e ris a’ chaillteanach, agus thuirt e ris, “Tha mi ’guidhe ort gun bhacadh a chur air an tighearn’ og so am fabhar a thoirt dhomhsa a tha mi ’g iarraidh air. Na cuir a leithid a dhoilghios orm. B’ fhearr [TD 105] leam gu’n tugadh tu dhomh a dh’ urram gu’n tigeadh tu fhein a steach comhladh ris. Chuireadh e urram araon ormsa ’s ort fhein; oir leigeadh tu ris do shluagh an t-saoghail gu’m bheil nadar iriosal annad, ged tha thu ann an dreuchd ard, urramach. Chuir e mar so a leithid de bheul briagha air a’ chaillteanach, ’s gu’n do dh’ aontaich e mu dheireadh gu’n leigeadh e le Agib a dhol a steach do ’n bhuthaidh; agus chaidh e fhein a steach maille ris. Bha aoibhneas mor air Bedredin a chionn gu’n deachaidh iad a steach mar a dh’ iarr e orra. Ghrad thug e lamh air an obair a bh’ aige an uair a thainig iad thun an doruis, agois thuirt e, “Bha mi ’deanamh pitheannan-uachdair, agus tha mi ’n dochas gu’m bi sibh cho math ’s gu’n ith sibh rud dhiubh. Tha mi deimhin gu’n cord iad ribh; oir is i mo mhathair a dh’ ionnsaich dhomh mar a dheanainn iad, agus b’ aithne dhi an deanamh air leith math. Tha iad a’ tighinn as gach cearn dhe ’n bhaile g’ an ceannach uam.” An uair a thuirt e so thug e fear dhiubh as an amhainn, agus an uair a chuir e spiosraidh agus siucar air, chuir e air beulaobh Agib e, agus cha d’ fheuch Agib riamh biadh cho blasda ris, agus a thainig ri ’chaileachd cho math. Chuir e fear eile dhe ’n cheart sheorsa air beulaobh a’ chaillteanaich, agus dh’ aidich esan mar an ceudna gu’n robh e air leith blasda. Fhad ’s a bha iad ag itheadh, bha Bedredin gle churamach a’ gabhail beachd air Agib; agus an uair a bheachdaich e gu math air a rithist agus a rithist, smaoinich e gur docha gu’m faodadh a leithid de mhac a bhith aige fhein o ’n mhnaoi uasail mhaisich a phos e anns an Eiphit. Agus thug an smaointean so air teannadh ri sileadh nan deur. Bha e ’na inntinn ceisd a chur air [TD 106] Agib mu thimchioll a thuruis do Dhamascus; ach cha d’ fhuair e uine gu so a dheanamh, oir bha leithid de chabhaig air a’ chaillteanach gu tilleadh air ais ’s gu’n d’ thug e leis Agib cho luath ’s a bha e ullamh dhe ’n bhiadh. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh an caillteanach agus Agib na ghrad dhuin Bedredin a’ bhuth, agus dh fhalbh e gu cabhagach ’n an deigh, agus rug e orra mu ’n deachaidh iad am mach air geata ’bhaile. Ghabh an caillteanach ioghnadh mor an uair a chunnaic e gu’n robh e ’g an leantuinn. “A bheadagain mhimhodhail,” ars’ esan ’s e ’labhairt le feirg, “ciod a tha dhith ort?” “Mo charaid ionmhuinn,” arsa Bedredin, “na bi ’cur dragh ort fhein. Tha mi ’dol air cheann gnothaich am mach as a’ bhaile.” Cha robh an caillteanach idir riaraichte leis an fhreagairt so, agus air dha tionndadh ri Agib, thuirt e ris, “Is tusa ’s coireach ris a so; thuig mise gu’m biodh aithreachas orm air son leigeadh leat do thoil fhein a dheanamh. Chuir thu romhad a dhol a steach do bhuth an duine so, agus cha robh mise glic an uair a leig mi leat sin a dheanamh.” “Is docha,” ars’ Agib, “gu’m bheil gnothach sonraichte aig an duine am mach as a’ bhaile, agus faodaidh e an rathad a ghabhail mar a ghabhas daoine eile.” Am feadh ’s a bha iad a’ labhairt mar so bha iad a’ coiseachd taobh ri taobh, agus cha do sheall iad ’nan deigh gus an robh iad dluth air pailliuin an ard-chomhairlich. Suil gu’n d’ thug iad thar an guaille, chunnaic iad Bedredin ’g an leantuinn. An uair a chunnaic Agib gu’n robh e air chul an salach, bhuail an fhearg e; oir bha eagal air gu’m faigheadh a sheanair am mach gu’n robh e ag itheadh phitheannan ann am buth cocaire. Ghrad thog [TD 107] e cnapach math cloiche a thachair ris, agus bhuail e air Bedredin i ann an clar an aodainn, agus leig e ’fhuil gu talamh. An sin thug e ’chasan as cho luath ’s a b’ urrainn e, agus chaidh e am falach ann am pailliuin a’ chaillteanaich. Thuirt an caillteanach ri Bedredin gur ann aige fhein a bha ’choire ris na tubaistean a dh’ eirich dha, agus nach robh aobhar dha teannadh ri coire a chur air neach sam bith eile. Thill Bedredin air ais do ’n bhaile, agus e ’cur casg air an fhuil leis an aparan, oir cha d’ fhan e ri chur dheth leis a’ chabhaig a bh’ air an am falbh o ’n taigh. “Nach bu mhi an t-amadan,” ars’ esan ris fhein, “an uair a dh’ fhalbh mi as an taigh gus a dhol an deigh a’ pheasain ud. Is cinnteach nach deanadh e orm mar a rinn e, mur biodh e ’smaointean gu’n robh ’n am beachd cron a dheanamh air.” An uair a rainig e an taigh, cheangail e suas an lot, agus thug e fois dh’ a inntinn fhein le bhith ’smaointean gu’n robh iomadh neach eile air an talamh air an d’ thainig mi fhortan bu mho na thainig air fhein. Lean Bedredin air a’ cheird a bh’ aige ann an Damascus. An ceann tri latha dh fhalbh Schemsedin air a thurus feuch am faigheadh e forofhais air Bedredin. An deigh dha siubhal troimh iomadh duthaich agus taghal ann am moran bhailtean, rainig e Balsora mu dheireadh. Gun dail sam bith chuir e teachdaireachd thun an righ a dh’ iarraidh cead a dhol a bhruidhinn ris. An uair a thuig an righ co e, agus gu’n robh e ann an ard inbhe, dh’ iarr e thoirt gun dail ’na lathair. Dh’ fheoraich an righ dheth ciod an gnothach a thug do Bhalsora e. “Le ’r cead, a righ,” ars’ esan, “thainig mi feuch am faigh mi ’mach ciod a dh’ eirich do mhac Niuredin Ali, mo bhrathair. Bha mo bhrathair, mar a tha fhios agaibh, ann bhur seirbhis fhein mar ard-chomhairleach.” [TD 108] “Is fhad o ’n a dh’ eug do bhrathair, Niuredin,” ars’ an righ. “Agus mu dheidhinn a mhic, cha ’n ’eil agamsa ri radh ach gu’n d’ fhalbh e as a so an ceann da mhios an deigh bas ’athar. Cha ’n fhacas a choltas, agus cha mho a chualas guth no iomradh m’ a dheidhinn riamh o ’n a dh’ fhalbh e, ged a thug mise teann-ordugh forofhais a dheanamh m’ a dheidhinn anns gach cearn dhe ’n rioghachd. Ach tha ’mhathair, nighean fir dhe na h-ard-chomhairlich a bh’ agam, beo fhathast anns a’ bhaile.” An uair a chuala Schemsedin so dh’ iarr e cead air an righ a toirt leis do ’n Eiphit. Thug an righ sin dha. Air an latha sin fhein chaidh e fhein agus a nighean agus Agib, do ’n taigh aice. CAIB. XI. BHA bantrach Niuredin Ali a’ fuireach anns an taigh ’s an robh Niuredin a’ fuireach an uair a bha e beo. Bu taigh e a bha anabarrach eireachdail; ach leis an toil a bh’ aig Schemsedin bantrach a bhrathar ’fhaicinn, is gann gu’n do sheall e ceart air an taigh mhor, mhaiseach anns an robh i ’fuireach. Anns an dol a steach phog e an geata, agus a’ chlach mharmoir air an robh ainm a bhrathar sgriobhte ann an litrichean oir. An uair a dh’ fheoraich e mu dheidhinn bantrach a bhrathar, thuirt aon dhe na seirbhisich ris gu’n robh i ann an seomar maiseach a bha faisge air meadhain na cuirte. Anns an t-seomar so bha i ’cur seachad earrann mhath dhe ’n latha, ’s dhe ’n oidhche ri tuireadh ’s ri caoidh air son a mic, agus i ’n duil gu’n robh e marbh bliadhnachan roimhe sin, o nach cualas guth no iomradh m’ a dheidhinn riamh o ’n a dh’ fhalbh e. Anns an am ’s an [TD 109] deachaidh Schemsedin a steach do ’n t-seomar far an robh i, bha i ’gul agus a’ caoidh gu goirt. Chuir e failte oirre, agus ghuidh e oirre sgur dhe n trom bhron anns an robh i. Dh’ innis e dhi gu’m b’ e-fhein a bhrathair-ceile, agus leig e ris dhi an t-aobhar air son an d’ thainig e a Cairo gu ruige Balsora. Thug e dhi mion-chunntas air gach ni a thachair ann an Cairo o’n oidhche phos Bedredin a nighean. Agus an deigh dha innseadh dhi mu’n ioghnadh a ghabh e an uair a fhuair e am paipear a sgriobh Niuredin air fhuaghal anns a cheannaodach a bh’ air Bedredin, thugadh a steach a nighean agus Agib do ’n t-seomar far an robh i. Fhad ’s a bha Schemsedin ag innseadh a naigheachd do ’n bhantraich, bha i ’na suidhe gun ghluasad mar gu’m biodh neach a bhiodh an deigh dubh-chul a chur ris gach ni a bhuineadh do ’n t-saoghal so; ach cha bu luaithe a thuig i o na briathran a labhair Schemsedin rithe, gu’m faodadh gu’n robh am mac a bha i cho mor a’ caoidh fhathast beo, na dh’ eirich i, agus ghlac i ’na gairdeanan bean a mic, agus Agib, a h-ogha. An uair a thug i an aire gu’n robh aghaidh Agib gle choltach ri aghaidh Bhedredin, shil deoir an aoibhneis gu frasach o ’suilean. Cha b’ urrainn i gun toiseachadh ri pogadh Agib; agus thug so toileachadh mor do dh’ Agib fhein aig an am. “A bhaintighearna,” arsa Schemsedin, “tha ’n t-am agad na deoir a thiormachadh o do shuilean, agus sgur dhe d’ osnaich. Feumaidh tu falbh comhladh riumsa gu ruig an Eiphit. Tha ’n righ a’ toirt cead dhomh do thoirt leam, agus tha mi cinnteach gu’n aontaich thu falbh. Tha mi ’n dochas gu’m faigh sinn do mhac fhathast beo, slan. Agus ma gheibh, is fhiach eachdraidh gach aoin dhinn fa leith a bhith air a cur sios ann an sgriobhadh, a chum gu’m bi fios aig ar sliochd ’n ar [TD 110] deigh air gach dragh is trioblaid is mi-fhortan is allaban troimh ’n deachaidh sinn.” An uair a chual’ a’ bhantrach na briathran so, bha i gle thoilichte, agus ghrad thug i aithne seachad gach ni a bhuineadh dhi a chur an ordugh, agus, gach deisealachd fheumail a dheanamh air son falbh gu ruig an Eiphit. Aig a’ cheart am chaidh Schemsedin far an robh an righ a dh’ innseadh dha gu’n robh ’na bheachd tilleadh do Chairo gun dail. Ghabh an righ ris le mor urram, agus an uair a bha e ’falbh thug an righ dha tiodhlacan luachmhor, agus chuir e tiodhlacan eile leis a dh’ ionnsuidh righ na h-Eiphit. An uair a fhuaradh gach ni deiseil air son an turuis, dh’ fhalbh iad a Balsora gu ruig Damascus. An uair a rainig iad faisge air a’ bhaile, dh’ ordaich e na pailliunan a chur suas an taobh am muigh dhe ’n gheata; agus thuirt e gu’n robh e gu dail thri latha dheanamh, a chum gu’n leigeadh iad uile an anail, agus gu’n ceannaicheadh e beagan dhe na nithean a b’ annasaiche agus bu luachmhoir a chitheadh e anns a’ bhaile gus an toirt mar thiodhlac a dh’ ionnsuidh righ na h-Eiphit. Am feadh ’s a bha Schemsedin a’ roghnachadh nan nithean a shaoileadh e bu fhreagarraiche air son an toirt thun an righ a measg a’ bhathair luachmhoir a thug marsantan mora ’bhaile g’ a ionnsuidh, dh’ iarr Agib air a’ chaillteanach a dhol comhladh ris do ’n bhaile, a chum gu’m faigheadh e sealladh na b’ fhearr air na h-iongantasan a bh’ anns a’ bhaile na fhuair e an turus roimhe a bha e ann, agus a chum gu’m biodh fhios aige ciod a dh’ eirich do ’n chocaire a lot e leis a’ chloich. Dh’ aontaich an caillteanach falbh comhladh ris, agus an uair a fhuair Agib cead o’ mhathair, dh’ fhalbh iad do ’n bhaile le cheile. [TD 111] Chaidh iad a steach air a’ gheata ’b’ fhaisge dhaibh. Choisich iad air air an aghart gus an d’rainig iad far an robh na buithean aig marsantan mora ’bhaile, agus bha iad a’ gabhail beachd air a h-uile seorsa bathair bu luachmhoire na cheile a bha iad a’ faicinn anns na buithean. An deigh dhaibh greis mhath de ’n uine a chur seachad a’ gabhail beachd air an eaglais bu mho ’s bu bhriagha a bh’ anns a’ bhaile, thainig iad far an robh a’ bhuth aig Bedredin. Bha e ’g obair gu trang air cocaireachd mur a b’ abhaist dha. “Failte ort, a dhuine choir. Am bheil thu ’g am aithneachadh? Am bheil cuimhn’ agad gu’m faca tu roimhe mi?” ars’ Agib. An uair a chuala Bedredin na briathran so, sheall e air, agus dh’ aithnich e e anns a’ mhionaid. Dh’ fhairich e a chridhe ’blathachadh ris mar a dh’ fhairich e a’ cheud uair a chunnaic e e. Bha e cho mor troimh a cheile ’na inntinn ’s gu’n robh e greis mu ’m b’ urrainn e aon fhacal a radh. Mu dheireadh labhair e, agus thuirt e, “Mo thighearn’ og, bi cho math ’s gu’n tig thu fhein agus do mhaighstir aon uair eile a steach do m’ thaigh, a chum gu’m blais sibh na pitheannan a tha mi ’deanamh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air son an dragh’ a chuir mi ort an latha ’lean mi thu am mach as a’ bhaile. Aig an am cha robh mi ’nam chiall fhein, agus cha robh fhios agam ciod a bha mi ’deanamh. Ghabh mi a’ leithid de thlachd dhiot ’s nach b’ urrainn domh gun fhalbh as do dheigh.” An uair a chual’ Agib na briathran so, ghabh e ioghnadh mor, agus fhreagair e mar so:— “Tha na briathran a labhair thu tuilleadh is caoimhneil, agus mur toir thu do mhionnan nach teid thu ceum as mo dheigh an uair a dh’ fhalbhas mi, cha teid mi steach air an dorus agad. Ma gheallas tu nach lean thu mi, agus ma dhearbhas tu gur duine thu a chumas ri [TD 112] d’ fhacal, thig mi g’ ad amharc am maireach, o ’n a tha mo sheanair, an t-ard-chomhairleach, gu bhith fad an latha ’ceannach nithean luachmhor a tha e gus a thoirt mar thiodhlac do righ na h-Eiphit.” “Mo thighearn’ og,” arsa Bedredin, “ni mise rud sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.” An uair a thuirt e so, chaidh Agib agus an caillteanach a steach do ’n bhuthaidh. Ghrad chuir Bedredin pitheannan-uachdair air am beulaobh a bha pailt cho math ris an fheadhain a thug e dhaibh a’ cheud latha ’chunnaic iad e. “Dean suidhe ri m’ thaobh,” ars’ Agib, “agus ith rud comhladh ruinn.” Shuidh Bedredin ri ’thaobh, agus thug e ionnsuidh air breith air ’na ghairdeanan mar chomharradh air an aoibhneas a bha ’na chridhe a chionn gu’n d’ fhuair e cead suidhe ri ’thaobh. Ach phut Agib air falbh e, agus thuirt e ris a bhith samhach ’s gun a bhith tuilleadh is dana air ged a bha e ’na shuidhe ri thaobh. Rinn Bedredin mar a dh’ aithn Agib dha, ach thoisich e ri deanamh oran molaidh dha. Cha d’ ith e ni sam bith maille riutha. B’ fhearr leis gu mor a bhith frithealadh dhaibh. An uair a ghabh iad am biadh a thug e dhaibh, thug e uisge dhaibh gus an lamhan a nigheadh, agus searbhadair grinn, glan gus an lamhan a thiormachadh. ’Na dheigh sin lion e cupa shina am fear dhaibh de sherbet, agus chuir e sneachda annta. Thairg e a’ cheud fhear do Agib, agus thuirt e, “Is e so sherbet nan rosan, agus cha ’n ’eil na ’s fhearr ri fhaotainn anns a’ bhaile. Tha mi ’creidsinn nach do bhais sibh riamh air na ’s fhearr.” Dh’ ol Agib agus an caillteanach an deoch so gu toileach, agus chord i gu math riutha le cheile. Thug iad moran taing do Bhedredin air son cho caoimhneil ’s a bha [TD 113] e riutha, agus dh’ fhalbh iad dhachaidh, oir bha ’n t-anamoch ann. An uair a rainig iad, ghabhabh riutha le gairdeachas. Bha meas mor aig a sheanamhair air Agib, oir bha e ’cur Bhedredin ’na cuimhne a h-uile uair a shealladh i air. “Ah! mo leanabh,” ars’ ise, “bhiodh m’ aoibhneas lan na’m biodh de thoileachadh agam d’ athair fhaicinn aon uair eile slan fallain a chum breith air ’n am ghairdeanan mar a tha mi ’breith ortsa.” An uair a shuidh iad aig an t-suipear, thug i air Agib suidhe ri ’taobh, agus bha i cur cheisdean air mu thimchioll gach ni a chunnaic e anns a’ bhaile. Ghearain e gu’n robh a stamac lag, agus an sin thug i dha rud dhe na pitheannan-uachdair a dheasaich i fhein; oir mar a dh’ ainmicheadh mar tha, b’ aithne dhi an deasachadh anabarrach math. Thug i mar an ceudna rud dhiubh do ’n chaillteanach. Ach cha b’ urrainn fear seach fear dhiubh am blasad; oir bha iad lan-shasaichte leis na dh’ ith iad ann an taigh Bhedredin. An uair a chunnaic a sheanamhair nach blaiseadh Agib air greim dhe ’n phithean, bha i car mi-thoilichte. “An e gu’m bheil thusa, ’leinibh, a’ deanamh tair air a’ bhiadh a dheasaich mi dhut?” ars’ ise. “Cha ’n ’eil neach air an t-saoghal do ’n aithne pitheannan a dheasachadh cho math riumsa ach d’ athair, ma tha e beo. Is mi fhein a dh’ ionnsaich dha mar a dheanadh ’s a dheasaicheadh e iad.” “Ceadaichibh dhomhsa ’innseadh dhuibh, a sheanamhair, gu’m bheil cocaire anns a’ bhaile so a ni pitheannan moran na ’s fhearr na sibhse. Bha sinne anns a’ bhuthaidh aige an diugh, agus dh’ ith sinn fear an t-aon a bha moran na ’s fhearr na’n fheadhainn a tha sibhse ’deanamh.” An uair a chual’ a sheanamhair na briathran so, [TD 114] sheall i gu gruamach air a’ chaillteanach, agus thuirt, “Ciod is ciall dha so?” a Shabain. “An ann a chum a thoirt a steach do bhuth cocaire a dh’ itheadh phithean mar dhiol-deirce a dh’ earbadh riut an aire mhath a thoirt air m’ ogha-sa?” “A bhaintighearna, arsa Shaban, “tha e fior gu leor gu’n deachaidh sinn a bhruidhinn ris a’ chocaire, ach cha dh’ ith sinn greim.” “Gabh mo leithsgeul,” ars’ Agib, “chaidh sinn a steach do ’n bhuthaidh, agus dh’ ith sinn pitheannan-uachdair innte.” An uair a chual’ a sheanamhair so las i le feirg, ghrad dh’ eirich i o ’n bhord, agus chaidh le cabhaig do ’n phailliuin anns an robh Schemsedin. Dh’ innis i dha an cionta a rinn an caillteanach air a leithid a’ dhoigh ’s gu’n do bhrosnaich i gu feirg e. Bha Schemsedin gu nadarra gle chas, agus chuir na dh’ innseadh dha gu caise buileach glan e. Thainig e gun dail far an robh an caillteanach, agus thuirt e ris, “A chreutair shuaraich, am bheil de dhanadas agad na ni dearmad air an obair a dh’ earb mi riut?” Bha Shaban ag aicheadh am muigh ’s am mach gu’n d’ ith iad ni sam bith ann am buth a’ chocaire, ged a bha Agib ag radh gu’n d’ ith. “A sheanair,” ars’ Agib, “cho fior ’s a tha mi beo, cha ’n e mhain gu’n d’ ith sinn le cheile na thug oirnn nach urrainn duinn suipear a ghabhail; ach dh’ ol sinn mar an ceudna lan cupa mhoir am fear de sherbet.” “A nis, an deigh so uile, am bheil thu ’g aicheadh gu’n robh sibh ann am buth a’ chocaire ’s gu’n d’ ith sibh rud ann?” arsa Schemsedin. Ach bha Shaban cho beag narach ’s gu’n d’ thug e a mhionnan nach d’ ith iad dad. “Cha ’n ’eil annad ach am breugaire; creididh mise m’ ogha air thoiseach ort an deigh a h-uile car,” arsa [TD 115] Schemsedin. “Ma theid agad air a’ phithean a th’ air a’ bhord itheadh, dearbhaidh tu dhomh gu’m bheil thu ag innseadh na firinn.” Ged a bha Shaban cho lan ri ugh leis na dh’ ith e ann am buth Bedredin, dh’ aontaich e gu’m feuchadh e ris a’ phithean itheadh. Ach an uair a dh’ fheuch e ris, cha b’ urrainn e greim a shluigeadh dheth. Lean e air innseadh nam breug, agus thuirt e gur e na dh’ ith e an latha roimhe sid a thug air nach b’ urrainn e am pithean itheadh. Bha Schemsedin cho mor air a bhrosnachadh leis na bha Shaban ag innseadh dha de bhreugan ’s gu’n ordaich e dha e fhein a leigeadh ’na shineadh air an lar a chum gu’n gabhtadh air leis a’ chuip. An uair a bha e air a chiurradh leis na buillean troma a bha e ’faotainn, dh’ aidich e gur e na breugan a bha e ’g innseadh, agus thuirt e gu’n d’ ith e rud dhe na pitheannan ann am buth a’ chocaire, agus gu’n robh iad moran na b’ fhearr na na pitheannan a bh’ air a’ bhord. CAIB. XII. BHA bantrach Niuredin an duil gur ann mar olcas rithe, agus gu farran a chur oirre, a bha Shaban a’ moladh nam pitheannan a fhuair e ann am buth a’ chocaire, agus air an aobhar sin thuirt i, “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu’m bheil na pitheannan a rinn an cocaire na ’s fhearr na ’n fheadhainn a dheanainn fhein. Tha mi suidhichte gu’n cuir mi dearbhadh air a’ chuis gun dail. C’aite am bheil e ’fuireach? Bi falbh ’s a’ mhionaid agus ceannaich pithean uaithe.” Chaidh Shaban far an robh an cocaire agus thuirt e ris, “Mo dheadh chocaire, so agad airgiod air son fear [TD 116] dhe na pitheannan-uachdair cho math ’s a th’ agad. Tha toil aig te dhe na mnathan uaisle blasad orra.” Thagh Bedredin fear dhe ’n seorsa a b’ fhearr agus thug e do Shaban e, ag radh, “Thoir leat am fear so. Theid mi ’n urras gu’m bheil e air leith math. Agus theid mi am bannadh dhut nach ’eil duine sam bith a’s urrainn a leithid a dheanamh ach mo mhathair, ma tha i beo fhathast.” Thill Shaban le cabhaig air ais, agus thug e am pithean do ’n bhantraich. Cha bu luaithe a rug i air as a laimh, agus a chuir i criomag dhe ’na beul na thuit i ann an laigse. Cho luath ’s a thainig i as an laigse, ghlaodh i, “Mo Dhia! feumaidh gur e mo mhac graidh, Bedredin, a rinn am pithean so.” An uair a chuala Schemsedin so bha aoibhneas mor air; ach an uair a smaoinich e gu’m faodadh nach robh ann ach smaointean amaideach a bhuail anns a’ cheann aice, thuirt e, “A bhaintighearna, ciod e tha toirt ort a bhith ’g a smaoineachadh sin? Am bheil thu ’n duil nach ’eil cocairean eile air an t-saoghal a dheanadh pitheannan a’ cheart cho math ri do mhac-sa?” “Tha mi ’creidsinn gu’m faod cocairean a bhith ann a dheanadh pitheannan cho math ris; ach o’n a tha doigh agamsa air an deanamh air nach ’eil fhios aig neach sam bith ach mo mhac, feumaidh gur e a rinn am fear so. A nis, a bhrathair, deanamaid gairdeachas agus aoibhneas; oir fhuair sinn mu dheireadh na bha sinn cho fad ag ionndrainn.” “A bhaintighearna,” arsa Schemsedin ’s e freagairt, “biodh foighidin mhath agad, oir gheibh sinn fios air bun a’ ghnothaich an uine gun bhith fada. Cha ’n ’eil againn ach fios a chur thun a’ chocaire e thighinn an so; agus aithnichidh tu fhein agus mo nighean-sa ma ’s e Bedredin a th’ ann. Ach feumaidh sibh a bhith le cheile [TD 117] ann an aite falachaidh far nach fhaic e sibh; oir cha bu toil leam fios a bhith air muinntir Dhamascuis air mar tha cuisean ’nar measg. Tha run orm a’ chuis a chumail an cleith airsan gus an raig sinn Cairo, far am bi spors is cridhealas gu leor againn.” An uair a labhair e so, dh’ fhalbh e, agus chuir e fios air leith cheud dhe na seirbhisich a bha ’na chuideachd, agus thuirt e riutha, “Thugaibh leibh bata math am fear, agus nochdaidh Shaban dhuibh buth cocaire a th’ anns a’ bhaile. An uair a ruigeas sibh bristidh sibh a h-uile ni a tha ’s a’ bhuthaidh. Ma dh’ fheoraicheas e dhibh c’ar son a tha sibh a’ bristeadh gach ni, cha’n ’eil agaibh ach a radh. “An tu ’rinn am pithean a cheannaicheadh an so an diugh?” Ma dh’ aidicheas e gur e fhein a rinn am pithean, beiribh air, agus ceanglaibh e, agus thugaibh leibh an so e. Ach air na chunnaic sibh riamh na buailibh e, agus na eireadh beud dha. Bithidh sgoinneil agus greasaibh oirbh. Rinn na seirbhisich gun dail sam bith mar a dh’ aithn Schemsedin dhaibh. Cha bu luaithe a rainig iad a’ bhuth na ghabh iad a steach, agus bhrist iad a h-uile ni a ghabhadh bristeadh an taobh a staigh dhe ’n dorus mu’n do tharr Bedredin sealltainn uige no uaithe. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e an dol air aghart a bh’ aca, agus thuirt e le guth muladach, “A dhaoine coire, c’ar son a tha sibh ris an obair sin? Ciod a tha cearr? Ciod an t-olc a rinn mi?” “Nach tusa,” arsa fear dhiubh, “a reic am pithean ris a’ chaillteanach?” “Is mise an duine,” ars’ esan, “co is urrainn a radh, gur a h-olc, m’ a dheidhinn? Bheir e ’dhulan do dh’ fhear sam bith pithean na ’s fhearr a dheanamh.” An aite freagairt a thoirt dha, lean iad air bristeadh gach ni a thachradh riutha. Bhrist iad an aghainn fhein m’ a dheireadh. [TD 118] Anns an am chuala na coimhearsnaich an obair a bha dol air aghart, agus ghabh iad ioghnadh mor an uair a chunnaic iad an call a bha ’n leith cheud fear an deigh a dheanamh air Bedredin. An uair a dh’ fheoraich iad ciod a b’ aobhar do ’n chuis cha d’ fhuair iad freagairt a chord riutha. An uair a dh’ fhaighneachd Bedredin an dara uair ciod an cionta rinn e, thuirt iad ris, “Nach tusa ’reic am pithean ris a chaillteanach?” “Is mi gu dearbh,” ars’ esan, “agus tha mi deimhin gu’n robh e gle mhath. Cha ’n ’eil mi toilltionnach air an droch dhiol a tha sibh an deigh a dheanamh air mo chuid dhe ’n t-saoghal.” An aite an tuilleadh freagairt a thoirt air rug iad air agus cheangail iad e agus thug iad leotha e. Chruinnich moran sluaigh aig a’ bhuthaidh, agus bha iad a’ dol a thoirt Bhedredin a lamhan nan daoine a cheangail e; ach thainig maoir o fhear-riaghlaidh a’ bhaile, agus dh’ iomain iad an sluagh air falbh, agus mar so thug seirbhisich Schemsedin leotha Bedredin gun ainneart sam bith fhulang o ’n t-sluagh. Thachair so a chionn gu’n d’ fhuair fear-riaghlaidh a’ bhaile fios o Schemsedin air an ni a bha ’na bheachd a dheanamh; oir bha am fear-riaghladh so a bha os cionn sluagh Shiria gu leir fo ughdarras righ na h-Eiphit. An uair a thugadh Bedredin air beulaobh Schemsedin thuirt e, “Mo thighearna, guidheam ort gu’n dean thu rium de dh’ fhabhar gu’n innis thu dhomh ciod an doigh anns an d’ thug mi oilbheum dhut?” “A dhuine thruaigh, shuaraich,” ars’ esan, “nach tusa ’rinn am pithean a chuir thu g’ am ionnsuidh?” “Tha mi ’g aideachadh gur mi, ach guidheam ort, innis dhomh an robh mi ciontach de ghniomh eucorach sam bith?” ars’ esan. “Ni mise peanas ort a reir mar a thoill thu,” arsa [TD 119] Schemsedin. “Caillidh tu do bheatha ’chionn gu’n do chuir thu a leithid de dhroch phithean a m’ ionnsuidh-sa.” “Gu’n sealladh Dia ort! An cuala duine riamh a leithid so! An do chuireadh duine riamh gu bas air son droch phithean a dheanamh?” arsa Bedredin. “Cuirear thusa gu bas co dhiubh. Na biodh duil agad ri na ’s lugha de pheanas,” arsa Schemsedin. Am feadh ’s a bha ’n comhradh so a’ dol air aghart, bha na mnathan uaisle a’ gabhail beachd air Bedredin. Dh’ aithnich iad e ’s a’ mhionaid, ged a bha iad uine fhada gun fhaicinn. Bha ’leithid de dh’ aoibhneas orra ’s gu’n do thuit iad ann an laigse. An uair a thainig iad as an laigse, b’ e am miann a dhol far an robh Bedredin gus a phogadh. Ach o ’n a gheall iad do Schemsedin nach deanadh iad iad-fhein aithnichte anns an am, dh’ fhan iad far an robh iad. Chuir Schemsedin roimhe gu’m falbhadh e air a thurus do ’n Eipit an oidhche sin fhein, agus thug e ordugh seachad na pailliuinean a leagadh, agus gach deisealachd fheumail a dheanamh air son an turuis. Fhuaradh bocsa mor, agus an uair a chuireadh Bedredin ann ’s a ghlasadh e, dh’ imich iad air an aghart gun uiread is stad no tamh a dheanamh fad na h-oidhche, no an la-iar-na-mhaireach. Anamoch feasgar an uair a stad iad, thugadh Bedredin as a’ bhocsa, agus thugadh biadh is deoch dha; ach cha d’ fhuair e fios gu’n robh a mhathair agus a bhean anns a chuideachd idir. Lean iad rompa mar so fad fichead latha. An uair a rainig iad Cairo, champaich iad an iomall a’ bhaile. Thugadh Bedredin an uair sin an lathair Schemsedin, agus ’na eisdeachd dh’ ordaicheadh croich a dheanamh a chum a chrochadh. “Ciod e air an t-saoghal am feum a th’ agaibh air croich,” arsa Bedredin. [TD 120] “Tha gus thusa ’chrochadh,” arsa Schemsedin, “agus do ghiulan air a’ chroich air feadh a’ bhaile gu leir, a chum gu’m faic sluagh a’ bhaile an droch dhiol a nithear air gach cocaire a ni pitheannan gun srad phipir a chur annta.” Ghlaodh Bedredin am mach air a leithid a dhoigh ’s nach mor nach do bhrist a ghaire air Schemsedin, agus thuirt e, “Gu’n sealladh ni math ort! An eiginn dhomhsa bas piantach, maslach fhulang a chionn nach do chuir mi pipir ann am pithean-uachdair? Am feum mi call gach ni ris an t-saoghal a bh’ agam fhulang, a bhith air mo ghlasadh ann am bocsa, agus a bhith air mo chrochadh, agus sin gu leir a chionn nach do chuir mi pipir ann am pithean-uachdair? Gu’n sealladh Dia ort! Co ’chuala riamh a leithid! An e so gniomharan dhaoine a tha ’g aideachadh a bhith diadhaidh, agus a tha ’cumail am mach gu’m bheil iad firinneach, onarach, agus a’ deanamh gach obair mhath?” An uair a thuirt e so, shil e na deoir gu goirt. An sin thuirt e, “Cha d’ rinneadh a leithid so de dh’ eucoir air aon duine riamh. Am bheil e comasach gu’n cuirteadh duine gu bas a chionn nach do chuir e pipir ann am pithean-uachdair? Mo mhollachd air a h-uile pithean-uachdair, agus air an latha air an d’ rugadh mi! B’ fhearr gu’n d’ fhuair mi bas an latha sin fhein!” Lean Bedredin air caoidh air an doigh so; agus an uair a thugadh a’ chroich ’na lathair, thuirt e, “A chruitheachd! Co is urrainn am bas maslach, craiteach so fhulang? Agus so uile air son ni nach ’eil idir ’na chionta. Cha ’n ann air son spuinnidh, no mort, no cul a chur ri m’ aidmheil, ach a chionn nach do chuir mi pipir anns a’ phithean.” O’n a bha ’n oidhche air tighinn, dh’ ordaicheadh Bedredin a chur a rithist anns a’ bhocsa, agus thuirt [TD 121] Schemsedin ris, “Bidh tu an sin gu madainn am maireach; ach gu math moch ’s a mhadainn cuirear gu bas thu.” An uair a shaoil le Schemsedin gu’n robh sluagh a’ bhaile air gabhail mu thamh, chaidh e fhein ’s a’ mhor chuideachd a bha maille ris a steach do ’n bhaile, agus rainig iad an taigh gun duine ’g am faicinn. Dh’ ordaich e am bocsa anns an robh Bedredin a bhith air a chur ann an aite sabhailte, agus gun ’fhosgladh gus an d’ thugadh e fhein ordugh dhaibh. Thug e mathair Bhedredin agus a nighean fhein a steach do sheomar, agus thuirt e, “Moladh do Dhia, mo nighean, gu’m bheil a nis cothrom agad air d’ fhear posda choinneachadh. Is cinnteach gu’m bheil cuimhne agad air an ordugh anns an robh do sheomar an oidhche ’phos thu. Bi falbh agus cuir gach ni anns a’ cheart ordugh anns an robh iad an oidhche ud. Ach mur ’eil lan chuimhne agad air mar a bha gach ni, innsidh mise dhut e, oir tha e agam ann an sgriobhadh. Cuiridh mi fhein gach cuis eile ann an ordugh ceart gu leor.” Chaidh i gu toileach a chur an t-seomair air doigh mar a dh’ iarr a h-athair oirre. Bha esan aig a’ cheart am a’ cur an talla anns a’ cheart ordugh anns an robh e an oidhche a phos Bedredin. Chuir e luchd-muinntir ’nan aite fhein mar a bha iad an oidhche ud. A dh’ aon fhacal, chuir e a h-uile ni direach mar a bha iad oidhche na bainnse, air chor ’s gu’n saoileadh Bedredin, gur e oidhche na bainnse fhein a bh’ ann. An uair a chuir e gach ni ’n a aite fhein, chaidh e do ’n t-seomar-chadail anns an robh a nighean, agus chuir e an t-aodach a bh’ air Bedredin oidhche na bainnse, agus am poca anns an robh ’n t-or anns a’ cheart aite anns an do chairich lamh Bhedredin fhein iad an uair a bha e d’ol a laidhe. An sin thuirt e ri ’nighinn, “Cuir dhiot [TD 122] agus rach do ’n leabaidh. Cho luath ’s a thig Bedredin a steach do ’n t-seomar, toisich ri gearain air a chionn e bhith cho fada gun tilleadh a steach, agus abair ris, gu’n robh ioghnadh ort nach d’ fhuair thu e ’na laidhe ri d’ thaobh an uair a dhuisg thu. Abair ris e ghrad thilleadh do ’n leabaidh. Agus innsidh tu dhuinn am maireach ciod an comhradh a bhios eadraibh a’ nochd.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e ’mach as an t-seomar. Dh’ ordaich Schemsedin anns a’ mhionaid do na seirbhisich falbh am mach as an talla, ach dithis no triuir. Thug e aithne dhaibh so Bedredin a thoirt as a’ bhocsa, agus a h-uile ball aodaich a bha uime thoirt dheth ach a leine ’s a dhrathais, agus ’faghail anns an t-suidheachadh sin anns an talla., agus an dorus a dhunadh. O ’n a bha Bedredin air dhroch cadal iomadh oidhche roimhe sid, chaidil e cho trom an oidhche ud ’s gu’n d’ fhag iad anns an talla e mu ’n do dhuisg e. An uair a dhuisg e ’s sheall e mu’n cuairt dha, ciod a b’ iongantaiche leis na e fhein fhaotainn anns a’ cheart thalla anns an robh e an oidhche ’phos e. Thug na bha e ’faicinn mu’n cuairt dha gu a chuimhne as ur na nithean a thachair an oidhche ud, gu sonraichte am fear crotach a bha gus nighean an ard-chomhairlich a phosadh. Chunnaic e dorus leith-fhosgailte m’ a choinneamh, agus an uair a sheall e steach air, ciod a b’ iongantaiche leis na ’n t-aodach a bha uime an oidhche a phos e ’fhaicinn air cathair direach mar a chuir e dheth e an oidhche a phos e. “Gu’n sealladh Dia orm,” ars’ esan, “am bheil mi ’nam chadal no ’nam dhusgadh?” Bha ’bhean ’g a fhaicinn ’s ’g a chluinntinn, agus spors gu leor aice air. Chuir i a ceann am mach eadar cuairtearan na leapadh, agus thuirt i ann am briathran ciuin caoimhneil, “Mo thighearna, ciod a tha thu dean- [TD 123] amh ’nad sheasamh an sin aig an dorus? Greas air ais do ’n leabaidh. Is fhad’ o ’n a chaidh thu ’mach. An uair a dhuisg mi bha ioghnadh gu leor orm nach robh thu comhladh rium anns an leabaidh.” An uair a chuala Bedredin na briathran so, agus a chunnaic e a’ bhean mhaiseach a phos e iomadh bliadhna roimhe sid, thainig atharrachadh air a ghnuis. Chaidh e steach do ’n t-seomar; ach an uair a smaoinich e air gach ni a thachair dha fad dheich bliadhna, agus o nach b’ urrainn e ’thuigsinn cionnus a thachradh iad uile dha ann an aon oidhche, chaidh e dh’ ionnsuidh an aite anns an robh a chuid aodaich agus am poca ann an robh am mile bonn oir, agus an uair a dh’ fheuch e gu curamach iad, thuirt e, “Ni math a dh’ amharc ormsa! cha ’n ’eil mi ’tuigsinn air an t-saoghal ciod is ciall do na nithean so!” Thuirt a bhean ’s i ’deanamh spors gu leor air ’na h-inntinn fhein, “Greas a laidhe; ciod a tha thu deanamh ’n ad sheasamh an sin?” Ghabh e ceum thun na leapadh, agus thuirt e rithe, “Innis dhomh, tha mi ’guidhe ort, am bheil fad o ’n a chaidh mi ’mach?” “Tha do chainnt a’ cur ioghnaidh orm. Cha d’ rinn thu ach a dhol am mach o chionn tiotaidh,” ars’ ise. “Feumaidh gu’m bheil d’ inntinn gle mhor troimh a cheile.” “Gun teagamh sam bith cha ’n ’eil m’ inntinn aig fois. Tha cuimhn’ agam mar an ceudna gu’n robh mi o ’n uair sin a’ fuireach fad dheich bliadhna ann an Damascus. A nis, ma bha mi anns an leabaidh comhladh riut air an oidhche so, cha ’n urrainn gu’n robh mi fad innte. Cha ’n ’eil na nithean so a’ co-cordadh ri cheile. Innis an fhirinn dhomh. Am bheil mi posda riut? An robh, no nach robh, mi air falbh uat fad dheich bliadhna?” [TD 124] “Tha thu posda rium gun teagamh,” ars’ ise. “Is e do cheann a bhith car troimh a cheile a tha ’toirt ort a bhith ’smaointean gu’n robh thu ann an Damascus.” An uair a chuala Bedredin so, rinn e glag mor gaire, agus thuirt e, “Nach neonach an ni a bhuail anns an inntinn agam? Theid mi ’n urras gu’n toir am bruadar so ceol spors dhut. Smaoinich fhein air. Ar leam gu’n robh mi aig geata Dhamascuis ’s gun umam ach mo leine ’s mo dhrathais, direach mar a tha mi ’n drasta; gu’n deachaiclh mi steach do ’n bhaile agus an sluagh ’gam leantuinn ’s iad a’ glaodhaich ’s a’ fanaid orm; gu’n do theich mi do bhuth cocaire a ghabh rium mar a mhac fhein, a dh’ ionnsaich a’ cheird dhomh, agus a dh’ fhag agam aig am a bhais gach ni a bhuineadh dha; gu’n robh a’ bhuth agam dhomh fhein ’na dheigh sin. A dh’ aon fhacal, ar leam gu’n deachaidh mi troimh mhoran de dhriodartan mu nach ’eil uine agam labhairt an drasta. Agus is math gu’n do dhuisg mi, oir bha iad a’ dol g’ am chrochadh. “O Thighearna, c’ar son?” ars’ a bhean ’s i ’leigeadh oirre gu’n robh ioghnadh oirre. “Cha ’n fhaod e bhith gu’n deanadh iad a leithid sin de dhroch dhiol ort. Feumaidh gu’n do chuir thu cionta ro mhor an gniomh.” “Cha do chuir gu dearbh,” arsa Bedredin. “Cha robh do chionta ri chur as mo leith ach ni cho suarach ’s cho lugha coltas ’s a chualas riamh; ’s e sin, gu’n robh mi ’reic phitheannan-uachdair anns nach robh mi ’cur srad pipir.” “Ma ’s ann mar sin a bha,” ars’ a bhean ’s i deanamh gaire cridheil, “bha iad air thuar eucoir mhor a dheanamh ort.” “Ah! cha b’ sid uile e,” ars esan. “Air son a’ phithean mhollaicht’ ud, bhrist is phrom iad gach ni a bh’ anns a’ bhuthaidh agam, cheangail iad mi, agus thilg iad ann am bocsa mi. Tha mi ’saoilsinn gu’m bheil mi [TD 125] ann fhathast. A bharrachd air so, fhuaradh saor, agus rinneadh croich gus mo chrochadh oirre. Ach taing do Dhia, cha robh anns na nithean so gu leir ach bruadar.” Cha robh Bedredin socair ’na inntinn fad na h-oidhche. Bha e o am gu am a’ dusgadh, agus a’ cur na ceisd ris fhein, co dhiubh is e bruadar a chunnaic e, no nach e. Agus gus e fhein a dheanamh cinnteach as a’ chuis, bheireadh e na cuirtearan o cheile, agus shealladh e air feadh an t-seomair. “Cha n urrainn gu’m bheil mi air mo mhealladh,” theireadh e, “is e so a’ cheart sheomar anns an do laidh mi comhladh ris a’ mhnaoi uasail a phos mi.” Ann an soilleireachadh an latha thainig brathair ’athar, an t-ard-chomhairleach, a steach do ’n t-seomar a chur failte na maidne orra. Bha ioghnadh mor air Bedredin an uair a chunnaic e e; oir ghrad dh’ aithnich e gu’m fac’ e roimhe e, agus gur e a thug binn a bhais am mach. “Ah! is tusa a thug gu h-eucorach binn mo bhais am mach,” arsa Bedredin, “agus tha na bagraidhean a bha thu ’deanamh orm a’ cur gairisinn ann am fheoil.” Thoisich an t-ard-chomhairleach ri gaireachdaich. Agus a chum fois a thoirt a dh’ inntinn Bedredin, dh’ innis e dha o thoiseach gu deireadh gach ni a thachair—mar a thug am fathach gu ruige Damascus e, mar a fhuair e fhein am mach m’ a dheidhinn anns an leabhar a sgriobh Niuredin, mar a chaidh e air a thoir gu ruige Balsora, agus gach ni eile a rinneadh a chum sgeul fhaotainn air. An uair a chuir e crioch air gach ni a bh’ aige ri innseadh dha, phog e e, agus thuirt e, Tha mi ’g iarraidh moran mathanais ort air son gach trioblaid cuirp is inntinn a thug mi dhuit o ’n latha ’fhuair mi fios far an robh thu. Bha toil agam do thoirt an so mu ’n innsinn dhut mu ’n staid sholasaich anns an robh thu gu bhith air do chur. Bidh tu nis na ’s toilichte le do staid an deigh na dh’ fhuiling [TD 126] thu de thrioblaid. Tha thu nis ann an cuideachd na muinntir aig am bheil mor-ghradh dhut. Fhad ’s a’ bhios tu ’cur umad theid mise a dh’ innseadh do d’ mhathair gu’m bheil thu air dusgadh. Tha i air bhainidh gus d’ fhaicinn. Bheir mi steach do mhac mar an ceudna. Chunnaic tu e ann an Damascus, agus bha thu gle chaoimhneil ris ged nach robh fhios agad co e.” Cha ghabh e innseadh an t-aoibhneas a bh’ air Bedredin an uair a chunnaic e ’mhathair agus a mhac. Rinn a mhathair agus a mhac fodhail mhor ris, agus rinn esan fodhail mhor riuthasan. Chaidh Schemsedin far an robh an righ, agus dh’ innis e a h-uile car mar a dh’ eirich dha air a thurus, agus mar a fhuair e greim air mac a bhrathar. Chord an naigheachd ris an righ anabarrach math, agus thug e fa near a h-uile facal dhi a sgriobhadh sios gu curamach, agus a tasgaidh am measg sgriobhaidhean luachmhor na rioghachd. An uair a thill Schemsedin a luchairt an righ, shuidh e fhein, a theaghlach, agus a chairdean aig fleadh mhoir a mhair seachd latha, agus seachd oidhche. An uair a chuir Giafar crioch air innseadh an naigheachd so do righ Haroun Alraschid, dh’ aontaich an righ gu’n tugadh e mathanas do Rihan. Agus a chum toileachadh a thoirt do an duine og a chuir a bhean gu bas le coire Rihain, thug an righ dha ri posadh aon de na mnathan-coimhideachd a bh’ anns an luchairt aige fhein, agus thug e dha mar an ceudna de dh’ or ’s de dh’ airgid na chum suas e fhad ’s bu bheo e.