[DA 1] Sgeulachdan Arabianach. TALES FROM THE ARABIAN NIGHTS TRANSLATED INTO GAELIC FROM THE ENGLISH EXPURGATED EDITION. DIVISION II. PRICE ONE SHILLING. INVERNESS: “NORTHERN CHRONICLE” OFFICE. EDINBURGH: NORMAN MACLEOD, 25 GEORGE IV. BRIDGE. 1899. [DA 2] [Bàn] [TD 1] SGEULACHDAN ARABIANACH. EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. VIII. A BHAINTIGHEARNA, ars’ an dara caladair, a chum fios a thoirt dhut air an doigh thubaistich anns an do chaill mi mo shuil dheas, feumaidh mi eachdraidh mo bheatha innseadh o thoiseach gu deireadh. Is mac righ mise, agus cha robh mi ach gle og an uair a dh’ aithnich m’ athair gu’n robh moran tuigse air a bhuileachadh orm. Fhuair mi ard-fhoghlum; oir cha robh duine a b’ fhoghluimte na cheile anns an rioghachd aig m’ athair nach robh greis ’g am ionnsachadh. Cha bu luaithe a bha mi comasach air sgriobhadh is leughadh a dheanamh na dh’ ionnsaich mi air mo theangaidh a h-uile facal de ’n Choran o thoiseach gu deireadh. A chum gu ’m bithinn comasach air teagasgan is earailean an leabhair mhath so a thuigsinn, leugh mi gu curamach gach leabhar-mineachaidh a sgriobh daoine foghluimte air. A bharrachd air so; leugh mi gach beul-aithris a bha air chuimhne mu thimchioll an fhaidh. Fhuair mi eolas mor mu gach seorsa foghlum eile air am biodh e feumail do mo [TD 2] leithid eolas is fiosrachadh ’fhaotainn. Ach os cionn gach ni eile, bha mi ainmeil air son cho math ’s a dheanainn sgriobhadh. Cha robh fear eile ri ’fhaotainn, ge mor am facal e, a dheanadh sgriobhadh a leith cho mhath rium. Cha b’ e mhain gu’n robh m’ ainm agus mo chliu fad’ is farsuinn air feadh na rioghachd aig m’ athair mar duine ro fhoghluimte, agus mar sgriobhadair math, ach chualas iomradh orm ann an luchairt righ nan Innsean. Bha toil mhor aig an righ chumhachdach so m’ fhaicinn, agus chuir e teachdaire le tiodhlacan luachmhor far an robh m’ athair, agus dh’ iarr e air m’ athair mise a leigeadh car uine do ’n luchairt aige. Bha m’ athair gle dheonach mo leigeadh air falbh. Bha fhios aige gu’n deanadh e feum mor dhomh am barrachd de ’n t-saoghal ’fhaicinn, agus greis de ’n uine a chur seachad ann an cuirt righ nan Innsean. A bharrachd air so, bha toil aig m’ athair cairdeas a dheanamh suas ri righ nan Innsean, gu h-araidh o ’n a bha e ’na righ mor, cumhachdach. Dh’ fhalbh mi comhladh ris an teachdaire, ach o ’n a bha ’n t-astar araon fada agus doirbh ri ’dheanamh, cha d’ fhalbh comhladh ruinn ach beagan cuideachd. An uair a bha sinn dluth air mios air ar turus, air latha araidh chunnaic sinn buidheann mharcaichean a’ tighinn ’nar coinneamh. Mar a bha iad a’ tighinn na bu dluithe dhuinn, rinn sinn am mach gu’m bu robairean iad, agus gu’n robh mu leith cheud ann diubh. O nach robh againn ach deich eich luchdaichte le nithean a bha feumail dhuinn air son ar turuis, agus le tiodhlacan a bha m’ athair a’ cur a dh’ ionnsuidh an righ, agus o nach robh sinn ann ach beagan dhaoine, tha e furasda thuigsinn gu’n d’ fhuair na robairean lamh-an-uachdar oirnn ann an tiotadh. Ged a thuirt sinn riutha nach robh annainn ach teachdairean a bhuineadh do righ nan Innsean, cha tugadh iad urram no fathamus sam bith dhuinn. An aite sin, is ann a [TD 3] thuirt iad ruinn ann an cainnt ladarna, “Car son a bheireamaid meas no urram do bhur righ? Cha ’n ann de ’shluagh sinn, agus cha mho a tha sinn air a chuid fearainn.” An uair a thuirt iad so, chuartaich iad sinn, agus thoisich iad ri ar marbhadh. Bha mise ’gam dhion fhein cho fad ’s a b’ urrainn domh; ach an uair a lotadh gu h-olc mi, agus a chunnaic mi gu’n robh an teachdaire agus na daoine a bha maille ris ’nan sineadh marbh air an talamh, mharcaich mi air falbh le m’ bheatha cho luath ’s a dheanadh an t-each dhomh. Ged a bha an t-each air a lotadh cho math rium fhein, fhuair mi air falbh le m’ bheatha. Cha robh mi astar fad air falbh an uair a thuit an t-each marbh fodham. An uair a chunnaic mi nach robh neach air mo thoir, thuig mi gu’m b’ fhearr leotha greim a dheanamh air a’ chreich na orm fhein. Bha mi ’nam onar anns an fhasach, agus mi leointe, agus gun duine agam a dheanadh an cuideachadh bu lugha leam. Cha robh de mhisnich agam na gabhadh an rathad mor, air eagal gu’n tachradh feadhain de na robairean rium. An uair a cheangail mi na lotan—agus gu fortanach cha robh iad cho dona ’s a shaoil mi—choisich mi re na bha romham de ’n latha gus an d’ rainig mi bonn beinne anns a robh uamha do ’n deachaidh mi steach. Chuir mi seachad an oidhche anns an uamhaidh, gun ghreim bidh ach beagan mheasan a bhuain mi air an t-slighe. Choisich mi romham re iomadh latha, ach cha robh aite-comhnuidh a’ tachairt rium. An ceann mios thainig mi gu baile mor a bha anabarrach maiseach, agus anns an robh moran sluaigh a’ gabhail comhnuidh. Bha mi ro thoilichte an uair a rainig mi e, agus dhichuimhnich mi ann an tomhas mor am bron, an amhghair, agus an eis anns an robh mi. Bha m’ aghaidh, mo lamhan, agus mo [TD 4] chasan dubh le losgadh na greine; agus o ’n a bha mo bhrogan ’s mo stocainnean air caitheamh leis na rinn mi de choiseachd, b’ eiginn domh a bhith ’falbh casruisgte. A bharrachd air so, bha na bh’ umam a dh’ aodach air a dhol ’na luideagan. Chaidh mi steach do ’n bhaile feuch am faighinn am mach c’aite an robh mi, agus an uair a bha mi ’coiseachd troimh ’n t-sraid, bhruidhinn mi ri taillear a bha ’na sheasamh ann an dorus a bhuthadh. Ged nach robh mi ach gle luideagach, salach, truagh ann an coltas, dh’aithnich e gu’n robh mi air mo bhreith ’s air m’ arach na b’ fhearr na shaoileadh daoine air mo choltas. Bhruidhinn e rium, agus dh’ iarr e orm suidhe. ’Na dheigh sin dh’ fheoraich e dhiom co as a thainig mi, agus ciod e ’chuir do ’n bhaile mi. Dh’ innis mi dha gu saor, soilleir, co mi, agus gach cruaidh fhortan a thachair rium o ’n a dh’ fhalbh mi a luchairt m’ athar. Fhad ’s a bha mi ag innseadh mo naigheachd dha, dh’ eisd e rium le deadh aire: ach an uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh, an aite comhfhurtachd a thoirt dhomh, is ann a mheudaich e mo bhron. “Thoir do cheart aire,” ars’ esan, “nach leig thu ris do neach sam bith co thu; oir tha naimhdeas ro mhor aig prionnsa na rioghachd so do d’ athair, agus faodaidh tu a bhith cinnteach gu’n dean e cron ort, ma gheibh e fios gu’m bheil thu ’s a’ bhaile so.” Cha do chuir mi teagamh ’sam bith ann am briathran an tailleir. Thug mi taing dha air son a chomhairle, agus thuirt mi ris, gu’n robh mi deas gus a chomhairle a ghabhail ann an ni sam bith a chuireadh e fa m’ chomhair. O ’n a bha fhios aig gu’n robh an t-acras orm, dh’ ordaich e biadh a thoirt dhomh, agus anns a’ cheart am, thuirt e rium, gu’m b’ e mo bheatha fuireach comhladh ris fhein. Ghabh mi gu toileach an tairgse so. [TD 5] An ceann beagan laithean, an uair a chunnaic e gu’n robh mi an deis gach sgios is airsneul a bh’ orm an deigh mo thuruis fhada a chur dhiom, agus air dha fìos a bhith aige gu’n robh clann righrean, mar bu trice, ag ionnsachadh ceairde leis am biodh iad comasach air iad fhein a chumail suas, na ’m b’ eiginn e, dh’ fheoraich e dhiom an d’ ionnsaich mi ceaird sam bith leis an rachadh agam air mo bheo-shlaint a chosnadh. Dh’ innis mi dha gum robh mi anabarrach ionnsaichte anns gach uile sheorsa foghlum; agus gun robh mi sonraichte math gu sgriobhadh. “Cha choisinn thu le d’ chuid foghlum,” ars’ esan, “na cheannaicheas do dhinneir dhut. Cha ’n ’eil ni a’s lugha air am bheil de mheas anns an duthaich so na foghlum. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa cuiridh tu aodach fir-oibre ort, agus o ’n a tha coltas ort a bhith laidir, fallainn gu leor, theid thu do ’n choille a ghearradh connaidh. Gheibh thu deadh phris air, agus theid agad air thu fhein a chumail suas gun dragh a chur air duine eile, gus an cuir am freasdal fortan a’s fhearr ’na do rathad. Bheir mi fhein dhuit tuadh a ghearras am fiodh, agus sugan gus an t-eallach a cheangal.” Air eagal gu’m faighteadh am mach co mi, agus a chum gu’n rachadh agam air mi fhein a chumail suas gun dragh a chur air neach eile, dh’ aontaich mi gu’n deanainn mar a chomhairlich e dhomh, ged a bha ’n obair trom agus taireil. An la-iar-na-mhaireach thug an taillear dhomh tuadh is sugan is cota goirid, agus dh’ iarr e air na daoine bochda a bhiodh a’ gearradh an fhiodha an rathad ionnsachadh dhomh do ’n choille, agus a bhith caoimhneil, companta rium. Thug iad do ’n choille mi, agus an latha sin fhein ghearr mi de ’n fhiodh na choisinn leith buinn oir dhomh. Ged nach robh a’ choille fad’ o ’n bhaile, gidheadh, o nach [TD 6] robh moran dhaoine a’ dol a ghearradh connaidh innte, bha e gann gu leor anns a’ bhaile, agus mar sin, bha sinn a’ deanamh deadh thuarasdail a h-uile latha. An uine ghoirid choisinn mi suim mhath airgid, agus phaigh mi do ’n taillear gach ni a thug e dhomh. Lean mi air an obair so fad bliadhna. Air latha araidh thachair dhomh a dhol na b’ fhaide steach do ’n choille na b’ abhaist dhomh. Thoisich mi ri gearradh craoibhe; agus an uair a bha mi ’feuchainn ris a’ bhun aice a spionadh as an talamh, thug mi an aire gu’n robh dorus-falaich foidhpe. Ghlan mi air falbh an uir, agus an uair a dh’ fhosgail mi e, chunnaic mi staidhre fodha. Ghabh mi sios an staidhre so, agus an tuadh ’nam laimh. An uair a rainig mi a bonn, fhuair mi mi-fhein ann an luchairt mhoir. Ghabh mi uamhas an uair a chunnaic mi gu’n robh i cho soilleir le solus dealrach ’s ged a bhiodh i air uachdar na talmhainn. Ghabh mi ceum air cheum air aghart troimh ’n luchairt, agus chunnaic mi bean uasal cho briagha ’s a chunnaic mo shuil riamh a’ coiseachd ’nam choinneamh. Cha b’ urrainn mi mo shuil a thogail dhith. Rinn mi cabhag gus a coinneachadh; agus an uair a chrom mi a thoirt umhlachd dhi, thuirt i,. “Co thusa? An e duine no fathach a th’ annad?” “A bhaintighearna,” arsa mise, “is duine mi; cha ’n ’eil co-chomunn sam bith agam ris na fathaich.” Tharruinn i osna throm agus thuirt i, “Cia mar air an t-saoghal a thainig tu do ’n aite so? Tha coig bliadhna fìchead o ’n a thainig mise a dh’ fhuireach do ’n aite so, agus cha ’n fhaca mi duine anns an uine sin ach thu fhein.” [TD 7] CAIB. IX. BHA i ’na boirionnach cho maiseach ’s nach b’ urrainn mi gun tlachd a ghabhail dhith a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhith; agus leis an doigh aoidheil, chaoimhneil anns an do ghabh i rium, ghabh mi orm fhein de dhanadas bruidhinn rithe mar so: “A bhaintighearna, mu ’m freagair mi ’cheisd a chuir thu orm, ceadaich dhomh a radh gu’m bheil mi anabarrach toilichte gun do thachair sinn ri ’cheile. Tha sinn a thachairt ri ’cheile a’ toirt faothachaidh dhomhsa o ’n bhron a tha mi ’fulang; agus ma dh’ fhaoidte gu’n toir e cothrom dhomh air thu fhein a dheanamh na ’s sona na tha thu.” Dh’ innis mi dhi mar a fhuair mi am mach far an robh i; gu’m bu mhac righ mi, ged nach robh a’ bheag dhe ’choltas orm ri m’ fhaicinn; agus thuirt mi rithe gu’m b’ e am fortan fhein a stiuir mi a dh’ ionnsuidh a’ phriosain anns an robh i; agus ged a bha ’n t-aite ’s an robh i ’na aite-comhnuidh maiseach, nach robh a’ chuis coltach gu’n robh i toilichte ann. “Ochan! a phrionnsa, ars’ ise ’s i deanamh osna, “tha thu ceart gu leor an uair a tha thu ’smaointean gu’m bheil mi sgith de ’n aite-chomhnuidh mhor, mhaiseach so; cha ’n ’eil tlachd sam bith aig daoine de ’n aite a’s maisiche ’s a’s fhearr air an t-saoghal an uair a tha iad air an cumail ann an aghaidh an toile. Feumaidh gu’n cuala tu iomradh air Epitimarus, righ eilean Ebene. Is mise nighean an righ sin. B’ e toil m’ athar mo thoirt ri m’ phosadh do mhac a pheathar; ach, oidhche na bainnse, an uair a bha maithean na cuirte agus sluagh a’ bhaile ri gairdeachais, thug fathach air falbh mi. Chaill mi mo mhothachadh anns an am, agus an uair a thainig mo mothachadh ugam, bha mi anns an aite so. Fad uine [TD 8] mhoir bha mi anabarrach trom, tursach; ach mu dheireadh b’ eiginn domh feuchainn ri mi fhein a dheanamh riaraichte le m’ staid, agus gabhail ris an fhathach a h-uile uair a thigeadh e. Mar a dh’ innis mi dhut mar tha, tha mi coig bliadhna fichead arms an aite so, far am bheil, tha mi ’g aideachadh, gach ni agam a b’ urrainn domh iarraidh a chum mo dheanamh comhfhurtail araon ann am biadh ’s an aodach. Tha ’m fathach a’ tighinn an so uair ’s na deich latha, agus a’ cur seachad na h-oidhche comhladh rium. Mar leithsgeul air son nach ’eil e tighinn na ’s trice, tha e ag radh gu’m bheil e posda ri te eile, agus gu’m biodh i ag iadach ris nam biodh fhios aice gu’m bheil e ’tighinn an so far am bheil mise. Ach ma ’s math leam e thighinn aig am sam bith de ’n oidhche no de ’n latha, foghnaidh dhomh an glag-draoidheachd ud aig an dorus a bhualadh, agus bidh e an so ann an tiotadh. Is e ’n diugh an ceathramh latha o ’n a bha e an so, agus cha ’n ’eil duil agam ris gu ceann sia latha eile. Ma thogras tusa, faodaidh tu fuireach coig latha a chumail cuideachd riumsa, agus feuchaidh mi ris gach caoimhneas is urram ’nam chomas a nochdadh dhut.” O ’n a bha mi ’g am mheas fhein gle fhortanach a’ leithid so de dheadh thairgse ’fhaighinn gun iarraidh, cha do dhiult mi i. Thug a bana-phrionnsa orm a dhol do sheomar-faragaidh mor, maiseach, nach fhaca mi riamh na b’ fhearr; agus an uair a thainig mi am mach, an aite an aodaich a chuir mi dhiom, fhuair mi deise riomhach a dh’ fhaodadh prionnsa sam bith a chur uime. Thug so toileachadh mor dhomh, cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n robh i anabarrach riomhach, ach a chionn gu’n robh mi ann an eideadh freagarrach air son suidhe ann an cuideachd na bana-phrionnsa. Shuidh sinn greis a chomhradh ri cheile. An deis dhuinn crioch a chur air a’ chomhradh a bh’ eadrainn, [TD 9] dh’ eirich ise, agus chuir i biadh dhe gach seorsa a b’ fhearr na cheile air a’ bhord. Shuidh sinn aig a’ bhord, agus an deigh dhuinn na thainig ruinn de ’n bhiadh a ghabhail, chuir sinn seachad na bha romhainn de ’n latha le mor thoilinntinn. Air an ath latha rinn i gach ni a ghabhadh deanamh a chum gach toileachadh a thoirt dhomh. Aig am na dinneireach thug i steach botul de sheann fhion cho math ’s a bhlais mi riamh. Gus mo thoileachadh, dh’ ol i beagan dheth comhladh rium. An uair a dh’ fhas mi blath leis an fhion, thuirt mi rithe, “A bhana-phrionnsa mhaiseach, tha thu tuilleadh is fada air do thiodhlacadh beo anns an aite so. Cuir cul ris an aite so, agus falbh comhladh rium fhein far am faic thu solus an latha, a chum gu’m bi saorsa is toileachadh agad nach robh agad o chionn iomadh bliadhna.” Le fiamh gaire air a gnuis thuirt i, “A phrionnsa, na bi bruidhinn air a leithid de ni. Ma dh’ fhanas tu naoi latha dhe na deich comhladh rium an so, agus gu’n leig thu leis an fhathach a bhith comhladh rium gach deicheamh latha, is e gu mor is roghainniche leam na falbh a so.” “A bhana-phrionnsa,” arsa mise, “is e an t-eagal a th’ ort roimh ’n fhathach a tha ’toirt ort a bhith ’bruidhinn mar sin. Air mo shon fhein dheth, cha tugainn sop air. Bristidh mi an glag-draoidheachd ’na bhloighean. Thigeadh e; tha mise deas air a shon; ciod sam bith cho laidir, treun ’s a tha e, ceannsaichidh mise e. Tha mi ’toirt m’ fhacail dhut gu’n cuir mi as do na h-uile fathach a th’ air an t-saoghal.” O ’n a bha fhios aicese gu math mar a dh’ eireadh dhomh, ghuidh i orm gu durachdach gun mi bheantuinn do ’n ghlag-draoidheachd; “oir ma bheanas tu dha,” ars’ ise, “cuirear mi fhin ’s tu fhein a dhith. Tha fhios [TD 10] agamsa air cumhachd nam fathach na ’s fhearr na th’ agadsa.” Bha mi air fas cho blath leis an fhion aig an am ’s nach tug mi cluas do na briathran a labhair i. Dh’ eirich mi o ’n bhord, bhuail mi breab air a’ ghlag-draoidheachd, agus bhrist mi e. Cha bu luaithe a bhristeadh an glag-draoidheachd na dh’ fhairich sinn an luchairt a’ dol air chrith. Shaoil sinn gu’n robh i a’ dol a thuiteam m’ ar cinn. Chunnaic sinn dealanaich, agus chuala sinn fuaim eagalach, mar fhuaim thairneineach. Chuir am fuaim so a leithid a dh’ eagal orm ’s gu’n d’ fhas mi cho fuar ’s ged nach olainn deur fiona. Agus thuig mi gu’n d’ rinn mi gnothach gle ghorach. “A bhana-phrionnsa,” arsa mise, “ciod is ciall dha so?” Mhothaich mi gu’n robh i air chrith le eagal an uair a fhreagair i mi ’s a thuirt i, “Mo leireadh i tha thu caillte mur grad theich thu. Ghabh mi a comhairle, ach leis an eagal ’s leis a’ chabhaig, dhichuimhnich mi an tuadh agus an sugan thoirt leam. Ghabh mi suas an staidhre cho math ’s a b’ urrainn mi, agus mu ’n gann a bha mi aig a barr, dh’ fhosgail an luchairt, agus thainig am fathach a steach. Thuirt e ris a’ bhana-phrionnsa, agus e ann an corruich mhoir, “Ciod e ’thachair dhut, agus c’ar son a ghairm thu orm?” “Bhuail goirteas anns an stamaic mi, agus gus mi fhein a leigheas thug mi lamh air a’ bhotul fhiona so. Dh’ ol mi beagan dheth uair no dha, agus le tuiteamas bhuail mi an glag-draoidheachd, agus bhristeadh e; sin mar a bha,” ars’ ise. An uair a chual’ am fathach so, thuirt e rithe, “A dhroch bhean, tha thu ’g innseadh nam breug. Co aig a bha ’n tuadh ud, agus an sugan?” [TD 11] “Cha ’n fhaca mise iad gus a so,” ars’ ise. “Is docha gur ann ’na do luib fhein a thainig iad a steach. O ’n a bha leithid de chabhaig ort a’ tighinn, ma dh’ fhaoidte gu’n d’ thug thu leat iad gun fhios dut.” Gun tuilleadh a radh rithe thoisich e ri gabhail oirre ’s ri toirt masaidh dhi. Cha b’ urrainn domh eisdeachd ris an droch dhiol a bha e ’deanamh oirre. Chuir mi dhiom an deise mhaiseach a thug i orm a chur uman, agus o ’n a chuir mi m’ aodach fhein aig barr na staidhreach an latha roimhe sin gus a bhith deiseil ri m’ laimh an uair a bhithinn a’ falbh, ghrad chuir mi umam e. Ghreas mi ’mach, dhruid mi an dorus-falaich, agus chuir mi an uir air a mhuin mar a bha e roimhe. Bha mi anabarrach diumbach dhiom fhein air son mar a thug mi le mo ghoraiche fhein a leithid de chruaidh-fhortan air an aon bhoirionnach a b’ aille snuadh ’s bu tlachdmhoire anns gach doigh, a chunnaic mi riamh mu choinneamh mo dha shul. “Tha e fior gu leor,” arsa mise rium fhein, “gu’n robh i druidte anns an taigh-fo-thalamh so o chionn choig bliadhna fichead; ach ged nach robh a saorsa aice, cha robh eis ni sam bith oirre a bhiodh feumail dhi. Chuir mise le mo ghoraiche crioch air gach toileachadh a bh’ aice, agus bhrosnaich mi ’na h-aghaidh an creutair a’s neo-iochdmhoire a th’ air an t-saoghal.” Thill mi do ’n bhaile leis an eallach chonnaidh. Bha aoibhneas mor air an taillear an uair a chunnaic e mi. Agus an deis dha failte chridheil a chur orm, thuirt e, “Bha mi fo mhor dhragh-inntinn o ’n a dh’ fhalbh thu, gu h-araidh o ’n a dh’ innis thu dhomh co thu. Bha eagal orm gu’n d’ fhuaradh am mach e; ach buidheachas do Dhia gu’n d’ thainig tu.” Thug mi taing dha air son a’ churaim a bh’ aige dhiom, agus air son a chaoimhneis a nochd e dhomh. [TD 12] Ach cha d’ innis mi dha c’ aite an robh mi fhad ’s a bha mi air falbh, no ciod a bha ’gam chumail. Cha mho a dh’ innis mi dha mar a chaill mi an tuadh. Chaidh mi do m’ sheomar fhein, agus chain mi mi-fhein gu math ’s gu ro mhath air son mo ghoraiche. “Bha mi fhein ’s a’ bhana-phrionnsa air a bhith cho sona ’s a tha ’n latha cho fada, mur b’ e gu’n do bhrist mi an glag-draoidheachd,” arsa mise rium fhein. CAIB. X. AN uair a bha mi mar so ’gam dhiteadh fhein, thainig an taillear far an robh mi, agus thuirt e rium, “Thug seann duine nach eil mi ag aithneachadh an tuadh agad an so. Tha e ag radh gu’n d’ fhuair e anns a choille i, agus gu’n dubhairt do chompanaich ris gur ann leatsa ’tha i, agus gu’n d’ innis iad dha gu’n robh thu ’fuireach an so. Thig am mach a bhruidhinn ris; oir cha toir e seachad i do dhuine sam bith ach dhut fhein.” An uair a chuala mi so, chaidh mi air chrith leis an eagal. An uair a bha ’n taillear a’ faighneachd gu de ’bha cearr orm, dh’ fhosgladh dorus an t-seomair, agus nochd an seann duine a steach far an robh sinn. Co bh’ ann ach am fathach ann an riochd seann duine, agus an tuadh aige ’na laimh. “Is mis’ am fathach,” ars’ esan, “mac de nighinn Eiblis, Prionnsa nam fathach. Nach i so an tuadh agadsa?” Mu ’n d’ fhuair mi uine gu freagairt a thoirt dha, rug e air mheadhain orm, agus sguab e leis mi am mach as an t-seomar. Ann am priobadh na sul thug e leis mi cho ard do na speuran ’s nach robh fhios agam co ’n taobh a bha e ’gam thabhairt. Thainig e nuas thun na talmhainn [TD 13] a rithist, agus uair a bhuail e a chas air an talamh dh’ fhosgail e, agus thug e sios mi do ’n luchairt far an robh a’ bhana-phrionnsa. Ach, obh, obh! ciod an sealladh a bha ’n sin! Dh’ fhag e mo chridhe goirt. Bha i na sineadh ruisgte air an urlar lan fala, na bu choltaiche ri marbh na ri beo, agus a gruaidhean fliuch le deoir. “A chreutair mhollaichte,” ars’ am fathach rithe, agus e ’sineadh a laimhe an taobh a bha mise, “nach e so am fear ris an robh thu ’leannanachd?” Sheall i an rathad a bha mi, agus fhreagair i gu muladach, “Cha ’n aithne dhomh idir e; cha ’n fhaca mi riamh e gus an drasta.” “Ciod e tha thu ’g radh?” ars’ am fathach. “Is e bu choireach ri thu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil thu; agus tha thu cho ladarna ’s gu’m bheil thu ’g radh nach aithne dhut e.” “Mur aithne dhomh e,” arsa bhana-phrionnsa, “am b’ aill leat mi dheanamh nam breug a chum a dhiteadh?” “Oh, seadh,” ars’ am fathach ’s e tarruinn a’ chlaidheimh as an truaill, agus ’g a thairgse do ’n bhana-phrionnsa, “mur faca thu riamh roimhe e, beir air a’ chlaidheamh, agus gearr dheth an ceann.” “Ochan! cia mar a tha e ’n comas dhomhsa a leithid sin a dh’ olc a dheanamh air do chomhairle-sa? Tha mi air fas cho fann ’s nach urrainn mi mo lamh a thogail; agus ged a b urrainn, cha leigeadh mo chridhe leam beatha duine neo-chiontaich nach fhaca mi riamh roimhe a thoirt air falbh,” arsa bhana-phrionnsa. “Tha do chuid diultaidh a’ dearbhadh dhomhsa gu soilleir gu’m bheil thu ciontach,” ars’ am fathach. An sin thionndaidh e riumsa, agus thuirt e, “Am faca tusa am boirionnach so riamh roimhe?” Bithinnse cho mi-thaingeil agus cho meallta ri creutair a bha beo mur feuchainn ri bhith cho dileas dhise ’s a [TD 14] bha ise dhomhsa, gu h-araidh o’n a b’ ann air mo shaillibh a choisinn i corraich an fhathaich. Air an aobhar sin, thuirt mi ris, “Cia mar a bhiodh aithne agamsa oirre ’s nach fhaca mi riamh i gus an diugh?” “Ma tha sin mar sin,’ ars’ esan, “beir air a’ chlaidheamh, agus gearr dhith an ceann. Air a’ chumhnant so leigidh mi leat a bhith ’falbh; oir an sin bidh e air a dhearbhadh dhomh nach fhaca tu riamh i gus an drasta.’ “Le m’ uile chridhe, fhreagair mi ’s mi breith air a’ chlaidheamh.” Ach na smaoinich gur ann gus a’ bhana-phrionnsa mhaisach a chur gu bas air chomhairle an fhathaich a rinn mi so. Rinn mi e a chum gu’n nochdainn cho math ’s a b’ urrainn domh, gu’n robh mi a’ cheart cho deas gus am bas fhulang air a son-se ’s a bha ise air mo shon-sa. Thuig i gle mhath ciod a bha mi ciallachadh; oir dh’ aithnich mi air an t-suil a thug i orm gu’n do thuig i mi. An uair a chunnaic mi so thug mi ceum air ais, agus thilg mi an claidheamh air an urlar, agus thuirt mi ris an fhathach, “Bidh mise gu brath ’nam chulaidh-ghrain do ’n chinne-daon gu leir ma bhios mi cho eucorach ’s gu mort mi bean-uasal air nach robh eolas agam, agus a tha gle dhluth air a’ bhas. Faodaidh tu an rud a thogras tu a dheanamh rium, o ’n a tha comas agad air; ach cha dean mi air chor sam bith an eucoir a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.” “Tha mi ’faicinn, ars’ am fathach, “gu’m bheil sibh le cheile suidhichte air brath a ghabhail orm, agus air masladh a thoirt dhomh. Ach leigidh mi ’fhaicinn dhuibh, leis an droch dhiol a ni mi oirbh, gu’m bheil barrachd cumhachd agam na tha sibh an duil.” An uair a thuirt e so, rug e air a’ chlaidheamh, agus ghearr e dhith an lamh. Ged nach robh innte ach an deo air eiginn, leig i ris dhomh gu’n robh i ’fagail slan agam gu brath. An ceann beagan uine thraigh i air fuil. [TD 15] An uair a chunnaic mise gu’n d’ fhuair i bas, thuit mi am an neul. An uair a dhuisg mi as an neul, dh’ iarr mi air an fhathach mo grad chur gu bas. Thuirt mi ris, “Buail mi anns a’ mhionaid. Tha mi deas gus am bas ’fhaighinn. Is e mo ghrad chur gu bas am fabhar a’s mo is urrainn dut a dheanamh rium.” Ach an aite deanamh mar a bha mi ag iarraidh air, thuirt e, “Gabh beachd air an droch dhiol a ni na fathaich air am mnathan an uair a bhios amhrus aca gu’m bheil iad neo-dhileas dhaibh. Leig i leat cead tighinn a steach an so; agus nam bithinnse cinnteach gu’n robh dad cearr eadraibh, chuirinn gu bas thu anns an t-seasamh bonn. Ach foghnaidh leam do chruth atharrachadh gu cu, no moncaidh, no leomhann, no gu eun. Roghnaich an cruth a’s fhearr leat dhiubh so.” Thug na briathran so ni-eiginn de mhisnich dhomh gu’n rachadh agam air faighinn sabhailte as a lamhan. Thuirt mi ris, “O fhathaich, na bi cho cruaidh sin orm, agus o nach ’eil thu gus mo bheatha a ghearradh as, buin rium gu caoimhneil, fialaidh. Ma bheir thu mathanas dhomh, cumaidh mi do chaoimhneas nam aire fad ’s is beo mi. Dean rium mar a rinn aon de na daoine a b’ fhearr a bh’ air an t-saoghal, an uair a thug e gu saor lan-mhathanas do ’n choimhearsnach fharmadach aig an robh fuath mor dha.” Dh’ fheoraich am fathach dhiom ciod a thainig eadar an dithis choimhearsnach so, agus thuirt e rium gu’n deanadh e foighidinn gus an innsinn dha mu ’n deidhinn. Tha mi ’m dochas, a bhaintighearna, nach gabh thu gu h-olc e ged a dh’ innsinn dhut an naigheachd so. Ann am baile-mor araidh bha dithis dhaoine ’fuireach ann an taighean a bha gu math dluth air a cheile. Bha fuath anabarrach mor aig an dara fear do ’n fhear eile. B’ eiginn do ’n fhear a bha air ’fuathachadh falbh as an [TD 16] taigh ’s an robh e, agus taigh a ghabhail ann am baile eile; oir bha e ’smaointean gur e cho dluth ’s a bha e fhein ’s a choimhearsnach air a cheile bu choireach gu’n robh fuath aig a choimhearsnach dha. Ged a nochd e iomadh caoimhneas dha, gidheadh, cha do lughdaich sin ’fhuath dha. Air an aobhar sin reic e an taigh, agus gach ni a bh’ aige, agus chaidh e do cheanna-bhaile na rioghachd. Cheannaich e fearann faisge air a’ bhaile so, far an do thog e taigh agus garadh a bha mor, maiseach. Anns a gharadh so thachair gu’n robh seann tobar anns nach robh deur uisge. An uair a chuir e an taigh ’s an garadh ann an ordugh cho math ’s a ghabhadh deanamh, runaich e gu’n caitheadh e na bha roimhe dhe’-bheatha cho saor o dhragh ’s o thrioblaidean an t-saoghail ’s a ghabhadh deanamh. Air an aobhar sin chuir e uime eideadh manaich, agus chuir e caochladh sheomraichean an ordugh a chum gu’m biodh e fhein is manaich eile a’ fuireach annta. Ann an uine ghoirid thainig e gu bhith fo mhor-mheas aig islean ’s aig uaislean a’ bhaile gu leir air son cho maiseach ’s cho neo-lochdach ’s a bha e ’caitheamh a bheatha. Thainig daoine air astar fada a dh’ aon ghnothach a chum gu’n cuireadh e suas urnuigh as an leith; agus dh’ aidich iad gu’n robh e na mheadhain air moran math a dheanamh dhaibh. Chualas anns a’ bhaile as an d’ fhalbh e, gu’n robh an duine so fo dheadh chliu aig na h-uile, agus bhrosnaich so an duine aig an robh fuath dha air a leithid de dhoigh ’s gu’n do chuir e roimhe gu’n rachadh e a dh’ aon ghnothach do ’n cheanna-bhaile gus a sheana choimhearsnach a chur gu bas. A chum a dhroch run a chur an gniomh chuir e uime eideadh manaich, agus chaidh e dh’ ionnsuidh an taighe anns an robh a sheana choimhearsnach. Agus ghabh a choimhearsnach coir ris mar nach biodh cuimhne aige air an fhuath ’s air a’ ghamhlas a bh’ aige dha ’s an am a dh’ fhalbh. [TD 17] Thuirt an duine gamhlasach, farmadach so ris, gu’n d’ thainig e far an robh e air cheann-gnothaich a bha gle chudthromach, agus fhad ’s a bhiodh e ag innseadh aobhar a thuruis dha, nach fhaodadh duine a bhith anns an eisdeachd ach iad fhein. “Agus a chum nach cluinn neach sam bith aon fhacal dhe na bhios eadrainn,” ars’ esan, “theid sinn do ’n gharadh. Bheir thu ordugh do na manaich gabhail mu thamh o ’n a tha e air tighinn anamoch ’s an fheasgar.” Rinn an duine coir, cneasda, mar a chomhairlich an droch dhuine eile dha. An uair a chunnaic an duine farmadach nach robh neach sam bith ’g am faicinn, thoisich e ri innseadh ceann a thuruis do ’n duine mhath. Bha iad a’ coiseachd taobh ri taobh air an socair fhein, agus gun smaointean aig an duine mhath gu’n robh olc sam bith fa near do ’n duine fharmadach. Ach uair dhe na h-uairean ’s iad a’ dol seachad air an tobar, thilg an duine farmadach sios an duine math an comhair a chinn do ’n tobar, gun fhios aig duine beo air an olc a rinn e, agus thug e ’chasan as. Cha do leig e an ceum as a chois gus an d’rainig e a thaigh fhein. Bha e gle riaraichte le ’thurus; oir bha e lan-chinnteach ’na inntinn fhein, gu’n do chuir e a sheana choimhearsnach coir gu bas. Ach ’na dheigh sin fhuair e ’mach gu’n robh e gu mor air a mhealladh. CAIB. XI. BHA sithichean agus fathaich a’ fuireach anns an t-seann tobar, agus mur b’ e so, bha ’n duine math air a bheatha ’chall mu ’n d’ rainig e grunnd an tobair. An uair a thilg an droch dhuine eile sios e, rug iad air ’nan lamhan, agus leig iad as gu socrach anns an tobar e. Ged nach fhaca e neach sam bith, dh’ aithnich e gu’n robh cumhachd air [TD 18] choireiginn ann a chum e gun a cheann ’s a chnamhan a bhristeadh leis an leagadh a fhuair e. Cha robh e fad anns an tobar an uair a chuala e guth ag radh, “An aithne dhuibh an duine so do ’n tug sinn cuideachadh?” Fhreagair guth eile, “Cha ’n aithne.” An sin fhreagair a cheud ghuth, “Innsidh mise dhuibh co e. Is e so duine cho caranta ’s a th’ air an t-saoghal. Dh’ fhalbh e as a’ bhaile ’s an robh e, agus thainig e do ’n bhaile so an dochas gu’n tugadh e air aon de choimhearsnaich gun a bhith cho gamhlasach ris. An uair a chuala a choimhearsnach cho cliuiteach ’s cho measail ’s a bha e anns a’ bhaile so, thainig e a dh’ aon ghnothach a chum cur as da. Agus bha chuis air a dhol leis mur b’ e gu’n d’ thug sinne cuideachadh dha an uair a thilgeadh ’s an tobar e. Tha cliu an duine so cho mor ’s gu’n cuala an righ m’ a dheidhinn. Tha ’n righ gus tighinn g’ a amharc am maireach a chum gu’n dean e urnuigh as leith a nighinn.” Thuirt guth eile, “Ciod am feum a th’ aig nighean an righ air urnuighean manaich?” Fhreagair a’ cheud ghuth, “Am bheil fhios agad gu’m bheil i air a mealladh leis an fhathach, Maimoun, mac Dhimidim, a thuit ann an gaol oirre? Tha fhios agamsa gle mhath cia mar a theid aig an duine mhath so air a leigheas. Tha an ni furasda gu leor, agus innsidh mi dhut e. Tha cat dubh aige ’s an taigh. Air earball a’ chait so tha bad beag geal. Ma bheir e seachd roineagan as a’ bhad gheal so, agus gu’n loisg e iad os cionn ceann nighean an righ, bidh i air a leigheas, agus cha tig Maimoun, mac Dhimidim, gu brath tuilleadh far am bheil i.” Chuala an duine math a h-uile facal de ’n chomhradh so a bh’ eadar na sithichean agus na fathaich. Ach cha dubhairt iad facal ri cheile tuilleadh fad na h-oidhche. [TD 19] Anns a’ mhadainn an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, thug e an aire gu’n robh pairt de bhalla an tobair air tuiteam, agus le mor dhichioll chaidh aige air streap am mach as an tobar. Bha na manaich fad na h-oidhche ’g a iarraidh gus an robh iad seachd sgith; agus an uair a chunnaic iad e, rinn iad gairdeachas mor ris. Thug e dhaibh gearr chunntas air an eucoir a rinn an duine air, an deis dha a leithid de chaoimhneas a nochdadh dha an latha roimhe sin. Cha robh e fada ’na sheomar fhein an uair a thainig an cat dubh far an robh e, agus thoisich e ri e fhein a shliobadh ris mar a b’ abhaist dha. Rug e air agus thug e seachd roineagan as a’ bhad gheal a bh’ air an earball aige, agus chuir e ann an aite air leith iad gus am biodh feum aig’ orra. Gu math moch an la’r-na-mhaireach chaidh an righ gu taigh a’ mhanaich, agus ghabhadh ris leis an urram a bha dligheach dha mar righ. Thug an righ mar an ceudna urram do ’n mhanach, agus thuirt e ris, “A dhuine mhath, is docha gu’m bheil fhios agad c’ar son a thainig mi far am bheil thu.” “Tha mo thighearna,” ars’ am manach ’s e ’freagairt gu ciuin: “mur ’eil mi air mo mhealladh, thainig sibh a dh’ iarraidh leighis air son a’ ghalair a th’ air bhur nighinn.” “Sin a’ cheart aobhar a chuir an so mi,” ars’ an righ. “Bheir thu tuilleadh saoghail dhomhsa ma theid agad air mo nighean a leigheas.” “Mo thighearna,” fhreagair am manach, “ma ’s e bhur toil leigeadh leatha tighinn an so far am bheil mise, tha dochas agam, le cuideachadh is fabhar Dhe, gu’n teid agam air a leigheas.” An uair a chual’ an righ so bha aoibhneas anabarrach [TD 20] air, agus gun dail sam bith chuir e air thoir na h-ighinn. Thainig i fhein ’s a mnathan-coimhideachd. Cha bu luaithe a loisg am manach na seachd roineagan a thug e a earball a’ chait os cionn a cinn, na thug am fathach, Maimoun, mac Dhimidim, glaodh mor as, agus dh’ fhalbh e. Ghrad thug nighean an righ an srol bhar a h-aghaidh, agus dh’ eirich i ’na seasamh, agus ghlaodh i, “C’ait am bheil mi? Co thug an so mi?” An uair a chual’ an righ na briathran so, bha aoibhneas anabarrach mor air, agus rug e air a nighinn ’na ghairdeanan, agus phog e i. Phog e mar an ceudna lamh a’ mhanaich. Thuirt e ris an luchd-comhairle a bha maille ris, “Ciod an duais air am bheil an duine so airidh a leighis mo nighean: Fhreagair iad a beul a cheile, “Tha e airidh gu’n tugadh tu dha do nighean ri ’posadh.” “Sin a’ cheart ni a bha mi fhein a’ smaointean,” ars’ an righ, “agus gun tuilleadh dalach theid am posadh a dheanamh.” An uine ghoirid ’na dheigh sin fhuair ard-chomhairleach an righ bas, agus rinneadh ard-chomhairleach de ’n mhanach. An ceann beagan bhliadhnachan ’na dheigh sin dh’ eug an righ fhein, agus o nach robh mac aige, cha ’n fhaca ard-mhaithean na rioghachd dad bu fhreagarraiche na ’n t-ard-chomhairleach a dheanamh ’na righ, agus thaitinn so gu mor ri sluagh na rioghachd gu leir. An uair a rinneadh righ de ’n mhanach, bha e latha araidh, ann an cuideachd ard-mhaithean agus ard-uaislean na rioghachd ag imeachd troimh ’n bhaile, agus bha moran de shluagh a’ bhaile cruinn gus an righ fhaicinn. Thug an righ an aire gu’n robh an duine farmadach, a nochd mor ghamhlas dha, am measg an t-sluaigh. Thuirt an righ ri aon de ’n na comhairlich, “Bi falbh,” agus thoir an duine ud a chi thu ’na sheasamh an sid, far am bheil mise; ach thoir an aire nach cuir thu eagal air.” [TD 21] Rinn an comhairleach mar a dh’ aithn an righ dha, agus thug e an duine farmadach ’na lathair. Thuirt an righ ris, “A charaid, tha mi anabarrach toilichte d’ fhaicinn.” An sin thionndaidh an righ ri fear de na h-oifigich a bha maille ris, agus thuirt e, “Bi falbh, agus thoir ceud bonn oir de m’ chuid ionmhais-sa do ’n duine so; thoir dha mar an ceudna fichead luchd de ’n bhathar a’s fhearr ’s is luachmhoire a th’ anns na taighean-storais agamsa, agus faic sabhailte dha thaigh fhein e.” An uair a thug e an t-ordugh so do ’n oifigeach, dh’ fhag e beannachd aig an duine fharmadach, agus dh’ imich e air aghart. An uair a dh’ aithris mi an naigheachd so do ’n fhathach a mharbh a bhana-phrionnsa, thuirt mi ris, “O fhathach! tha thu nis a’ faicinn, nach e mhain gu’n d’ thug an righ mathanas do ’n duine fharmadach a bha ’g iarraidh a bheatha ’thoirt air falbh, ach gu’n do nochd e dha mor-chaoimhneas mar an ceudna, agus gu’n d’ thug e dha or is bathar luachmhor ann am pailteas. Dean thusa mar a rinn an righ math, trocaireach so, agus cha bhi aithreachas ort. Thoir mathanas dhomh, agus cha ’n iarr mi an corr ort.” Ach a dh’ aindeoin cho durachdach, dealasach ’s gu’n robh mi a’ guidhe air mathanas a thoirt dhomh, cha tugadh e geill sam bith dhomh. “Cha chuir mi gu bas thu,” ars’ esan, “ach na biodh duil sam bith agad gu’m faigh thu slan, fallain, as mo lamhan-sa. leigidh mise ’faicinn dhut gu’m bheil cumhachd agam iomadh ni a dheanamh le m’ dhraoidheachd.’ An uair a thuirt e so, rug e orm ’na chroig, agus cha mhor nach do dh’ fhaisg e an cridhe asam. Dh’ fhalbh e leam am mach as an taigh-fo-thalamh, agus thug e leis mi cho ard do na speuran ’s nach robh mi ach air eiginn a’ faicinn na talmhainn shios fodham mar neul beag, geal. [TD 22] An sin thainig e nuas leam cho luath ris an dealanach, agus leig e as mi air mullach beinne. Thog e lan a chroige de ’n talamh, agus an uair a labhair e briathran nach do thuig mise, thilg e mu mhullach mo chinn e, agus thuirt e, “Na bi ’nad dhuine na ’s mo, ach bi ’nad mhoncaidh. Ann am priobadh na sul chaidh e as an t-sealladh, agus dh’ fhag e ann an sid mi ’s mi ann an riochd moncaidh. Bha mo chridhe gu bristeadh le bron ’s gun fhios agam air an t-saoghal mhor c’aite an robh mi, no cia ’n taobh a bheirinn m’ aghaidh a dh’ ionnsuidh rioghachd m’ athar. Chaidh mi sios bhar mullach na beinne, agus thainig mi dh’ ionnsuidh duthchadh a bha anabarrach farsuinn, comhnard. Bha mi ’siubhal troimh ’n duthaich so fad mhios. Mu dheireadh thainig mi ann an sealladh na mara, agus rinn mo chridhe gairdeachas ris an t-sealladh. Bha feath mhor air a’ mhuir, agus chunnaic mi long mhor fo a cuid sheol ’na laidhe gu socrach air aghaidh na mara, agus ann an dochas gu’n gabhadh an sgiobair air bord mi ’nan ruiginn i, thug mi oidhirp air meanglan mor a bhristeadh bhar te dhe na craobhan a bha faisge air bruaich a’ chladaich. A dh’ olc no dh’ eiginn gun d’ fhuair mi, bhrist mi e, agus an uair a chuir mi am mach air a’ mhuir e, chaidh mi casan-gobhlach air, agus bha mi ’g a iomradh le maide anns gach laimh. Ged a thug mi uine mhor air ruighinn far an robh an long, rainig mi mu dheireadh a cheart air eiginn. An uair a mhothaich na seoladairean agus an luchd-turuis a bh’ air bord dhomh, ghabh iad ioghnadh anabarrach mor. Cha bu luaithe a rainig mi cliathach na luinge na ghrad shreap mi air bord; ach o nach b’ urrainn domh bruidhinn, bha mi ann an iomacheist mhoir; agus thuig mi gu’n robh mi ann an cunnart a bhith air mo ghrad chur gu bas. [TD 23] Bha na marsantan a bh air bord, agus na seoladairean, a’ lan chreidsinn gu’n tigeadh mi-fhortan mor ’nan rathad nan leigeadh iad leam a bhith air bord. Thuirt fear dhiubh, “Cuiridh mi ’n t-eanchain as le maide.” Thuirt fear eile, “Cuiridh mi saighead troimh ’n mhionach aige.” Thuirt an treas fear, “Tilgidh mi leis a’ chliathaich e.” Bha iad air mo chur gu bas ann an ionad nam bonn, mur b’ e gu’n do ghabh an sgiobair mo phairt. An uair a chunnaic mi an cunnart anns an robh mi, chaidh mi far an robh e ’na sheasamh, agus thilg mi mi-fhein air an dec aig a chasan. An uair a chunnaic e mi a’ sileadh nan deur gu frasach, ghabh e truas dhiom, agus thuirt e nach fhaodadh duine a bh’ air bord beud a dheanamh orm. Thoisich e ri deanamh moran dhiom, agus ged nach robh e ’n comas dhomhsa facal a labhairt, nochd mi dha mar a b’ fhearr a b’ urrainn domh, gu’n robh mi gle thaingeil dha air son a’ chaoimhneis a bha e ’nochdadh dhomh. CAIB. XII. AN ceann latha no dha thainig soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarradh iad, agus mhair e fad nan seachd seachdainean a bha ’n long air a turus a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach. An uair a rainig sinn an acarsaid ’s a leigeadh am mach an t-acaire, thainig moran de bhataichean lan sluaigh thun na cliathaich a chur failte ’s furainn air an cairdean, agus a nochdadh an aoibhneis a bh’ orra a chionn gu’n do thill iad dhachaidh gu sabhailte as an duthaich fhad air falbh anns an robh iad air chuairt. Ach ’nam measg so bha oifigich o ’n righ, a thainig ’na ainm a chur failte air na marsantan a bh’ air bord. An uair a thainig na marsantan ’nan lathair, labhair fear de na oifigich riutha:—“Tha ordugh againne o ’n righ a [TD 24] radh ribh, gu’m bheil e anabarrach toilichte gu’n do thill sibh dhachaidh gu sabhailte, agus tha e ’guidhe oirbh gu’m bi sibh cho math ’s gu’n sgriobh gach fear dhibh beagan fhacal anns an leabhar so. Agus a chum gu’n tuig sibh c’ar son a tha ’n righ ag iarraidh oirbh so a dheanamh, feumaidh mi innseadh dhuibh, gu’n robh ard-chomhairleach na rioghachd ’na dhuine a bha araon ro ghlic, agus mar an ceudna ’na sgriobhaiche a bha gun choimeas anns an rioghachd gu leir. Dh’ eug e o chionn ghoirid, agus tha ’n righ ’g a chaoidh gu mor; agus leis an tlachd a th’ aige dhe ’n sgriobhadh mhath a bha e ’deanamh, bhoidich e nach deanadh e fear sam bith ’na ard-chomhairleach ach fear a sgriobhadh a cheart cho math ris. Ged a fhuaradh lamh-sgriobhaidh mhorain anns an rioghachd, gidheadh cha d’ fhuaradh fhathast aon duine a dheanadh sgriobhadh cho math ris an ard-chomhairleach nach maireann.” Sgriobh na marsantan a bha ’smaointean gu ’m o’ aithne dhaibh sgriobhadh math a dheanamh, beagan anns an leabhar. An uair a bha iad uile deas, chaidh mise far an robh an t-oifigeach, agus rug mi air an leabhar as a laimh. Ach ghlaodh an sluagh uile, gu h-araid na marsantan, ag radh, “Stracaidh e an leabhar, no tilgidh e anns a’ chuan e.” Ach an uair a chunnaic iad cho ordail ’s a rug mi air an leabhar agus air a’ pheann, agus mar a bha mi ’feuchainn ri nochdadh gu’n rachadh agam air sgriobhadh a dheanamh, dh’ fhan iad samhach agus ghabh iad ioghnadh mor. An deigh so gu leir o nach fhaca iad moncaidh riamh a dheanadh sgriobhadh, agus o nach b’ urrainn daibh a thuigsinn gu’n robh e ’n comas dhomhsa a bhith na bu ghlice na moncaidhean eile, thug iad ionnsuidh air an leabhar a thoirt as mo laimh. Ach cha leigeadh an sgiobair leotha. “Leigibh leis sgriobhadh,” ars’ an sgiobair. “Mur teid aige air sgriobhadh [TD 25] ceart a dheanamh, gabhaidh mise air anns a’ mhionaid. Ach ma ni e sgriobhadh math—agus tha amhrus laidir agam gu’n dean, oir cha ’n fhaca mi moncaidh riamh a leith cho tapaidh agus cho tuigseach ris—tha mi ag radh ribh gu’n gabh mi ris mar gu’m b’ e mo mhac fhein e. Bha mac agam nach robh a leith cho turail ’s cho tuigseach ris.” An uair a chunnaic mi nach robh neach sam bith a’ cur ’nam aghaidh, rug mi air a’ pheann, agus sgriobh mi na sia seorsachan lamh-sgriobhaidh a bha cleachdte am measg nan Arabianach, agus anns gach lamh-sgriobhaidh dhiubh so, bha ceathramh orain a rinn mi anns an t-seasamh bonn a’ moladh an righ. Cha b’ e mhain gu’n robh mo sgriobhadh moran na b’ fhearr na sgriobhadh nam marsantan, ach, faodaidh mi a radh nach fhaca iad sgriobhadh riamh cho briagha ris. An uair a bha mi deas, thug na h-oifigich an leabhar leotha ’dh’ ionnsuidh an righ. An uair a sheall an righ air na sgriobhaidhean a bh’ anns an leabhar, cha do ghabh e suim sam bith de na sgriobh na marsantan. Ach thaitinn mo sgriobhadh-sa ris anabarrach math. Thionndaidh e ri fear de na h-oifigich a bha ’n lathair, agus thuirt e ris, “Thoir leat an t-each a’s fhearr a th’ agam anns an stabull, agus cuir air an acfhuinn a’s briagha a th’ agam, agus thoir leat an deise aodaich a’s riomhaiche a th’ agam, agus cuir mu’n duine sin i, a sgriobh na sia seorsachan lamh-sgriobhaidh, agus thoir leat an so e.” An uair a chuala na h-oifigich so cha b’ urrainn iad gun ghaire a dheanamh. Ghabh an righ fearg riutha a chionn gaire a dheanamh, agus bha e ’dol ’g an smachdachadh. Ach thuirt iad ris, “Le ’r cead, a righ, tha sinn gu h-umhail ag iarraidh mathanais oirbh: cha b’ e duine a rinn an sgriobhadh idir, ach moncaidh.” [TD 26] “Ciod e tha sibh ag radh?” ars’ an righ; “an e nach ann le lamh duine a rinneadh an sgriobhadh briagha so?” “Cha ’n ann gu dearbh,” arsa na h-oifigich; “cho fior ’s a tha sinn beo, rinn moncaidh an sgriobhadh ’n ar lathair-ne.” An uair a chual’ an righ so, is ann bu mho a bha de thoil aige sealladh dhiom ’fhaicinn; agus air an aobhar sin thuirt e ris an oifigeach, “Deanaibh mar a dh’ aithn mi dhuibh, agus gun dail sam bith thugaibh an so am moncaidh iongantach ud.” Chaidh na h-oifigich air ais a dh’ ionnsuidh na luinge, agus litir aca o ’n righ thun an sgiobair, ag iarraidh air am moncaidh a chur g’ a ionnsuidh. An uair a leugh an sgiobair i, thuirt e, “Feumar a bhith umhail do dh’ aithne an righ.” Chuireadh an t-aodach riomhach umam, agus thugadh gu tir mi. An sin chuireadh air muin an eich mi, agus dh’ fhalbh iad leam gu luchairt an righ, far an robh e fhein agus moran a dh’ uaislean ’s a mhaithean na rioghachd ’g am fheitheamh a chum an tuilleadh urraim a chur orm. An uair a dh’ fhalbhadh leam o ’n chladach, thoisich moran sluaigh ri cruinneachadh. Bha gach sraid is uinneag a bh’ anns a’ chuid sin de ’n bhaile troimh ’n robh sin a dol, cho lan ’s a chumadh iad de dhaoine dhe gach seorsa, a chruinnich as gach earann de ’n bhaile gus m’ fhaicinn; oir sgaoil an t-iomradh air feadh a’ bhaile, gu’n robh an righ a’ dol a dheanamh ard-chomhairleach de mhoncaidh. Bha ioghnadh mor aig an t-sluagh dhiom, agus bha iad a’ sior ghlaodhaich as mo dheigh. Mu dheireadh rainig sinn luchairt an righ. Bha ’n righ, an uair a rainig sinn, ’na shuidhe air an righ-chathair, agus mor-uaislean na rioghachd mu’n cuairt dha. Chrom mise mi-fhein tri uairean air a bheulaobh, [TD 27] agus an sin leig mi-fhein air mo ghluinean, agus phog mi an t-urlar mar chomharradh gu’n robh mi a’ toirt umhlachd is urram dha. Na dheigh sin shuidh mi air an urlar mar is gnath leis na moncaidhean suidhe. Ghabh a’ mhor-chuideachd a bha ’n lathair ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic iad mar a rinn mi, agus cha b’ urrainn iad a thuigsinn cia mar a b’ aithne dhomh urram dligheach a thoirt do ’n righ. A dh’ aon fhacal, rinn mi mo dhleasdanas an lathair an righ cho modhail ’s cho iomchuidh ri duine beo, ach nach robh e ’nam chomas facal bruidhne a dheanamh. Ach cha ’n urrainn na moncaidhean bruidhinn, agus ged a bha mise an toiseach ’nam dhuine, cha robh mi comasach air facal a radh aon uair ’s gu’n d’ rinneadh moncaidh dhiom. Thug an righ ordugh do na h-uaislean a bhith falbh.Cha robh comhladh ris ach an t-ard-chaillteanach, agus gille beag a bha ’feitheamh do ’n bhord. Thug e leis mi do ’n t-seomar anns am biodh e ’gabhail a bhidh, agus an uair a chuireadh am biadh air a’ bhord, smeid e orm gu tighinn agus suidhe aig a’ bhord comhladh ris. Gus a leigeadh fhaicinn dha gu’n robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha, phog mi an t-urlar, dh’ eirich mi ’nam sheasamh, agus shuidh mi aig a’ bhord. Ghabh mi na thainig rium de ’n bhiadh gu modhail, measarra, mar is gnath le daoin’ uaisle ’dheanamh. Thug mi an aire ’na dheigh sin gu’n robh clar-sgriobhaidh anns an t-seomar, agus leig mi ris dhaibh gu’n robh toil agam beagan sgriobhaidh a dheanamh. An uair a thugadh do m’ ionnsuidh e, sgriobh mi beagan cheathrannan orain, anns an do chuir mi an ceill mo thaingealachd do ’n righ air son cho caoimhneil ’s a bha e rium. An uair a leugh an righ an t-oran ghabh e ioghnadh anabarrach. Thugadh an sin dhomh lan glain de ’n deoch a b’ fhearr a bha an righ ag ol. An uair a dh’ ol mi an [TD 28] deoch so, sgriobh mi tuilleadh cheathrannan. Leugh an righ iad mar an ceudna, agus thuirt e, “Bhiodh duine sam bith a dheanadh a leithid so air a mheas ’na dhuine ro ard os cionn nan uile dhaoine.” Dh’ ordaich an righ am bord-tailisg a thoirt g’ a ionnsuidh, agus smeid e orm gu suidhe comhladh ris a chluich air. Chuir mi mo lamh air mo cheann, a ciallachadh gu’n robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha. Bhuidhinn esan a’ cheud chluich, agus bhuidhinn mise an ath dha chluich. Thuig mi nach do chord so ris, agus a chum ’inntinn a chiuineachadh, rinn mi ceathrannan orain anns an d’ innis mi mu dha armailt chumhachdach a bha ’cath gu teith, teann fad an latha, ach a rinn sith feasgar, agus a chuir seachad na bha rompa dhe ’n oidhche gu caoimhneil, cairdeil maille ri ’cheile air an achadh. Bha h-uile rud a bh’ ann a’ cur a leithid a dh’ ioghnadh air an righ ’s gu’n do chuir e fios air a nighinn gu tighinn a steach do ’n t-seomar gus m’ fhaicinn. Cha bu luaithe ’thainig i steach na ghrad chuir i srol air a h-aghaidh, agus thuirt i ri ’h-athair, “Le’r cead, a righ, dhichuimhnich sibh sibh-fhein an diugh. Tha ioghnadh orm gu’n do chuir sibh fios orm gu tighinn an so an lathair dhaoine.” “Cia mar sin, a nighean!” ars’ an righ. “Cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Cha ’n ’eil neach an so ach an gille-buird, an caillteanach, agus mi-fhein, agus faodaidh sinn d’ aghaidh fhaicinn latha sam bith; c’ar son, a nis, a tha thu ’cur falaich air d’ aghaidh, agus a tha thu diumbach dhiomsa air son fios a chur ort!” “Le ’r cead, a righ,” ars’ ise, “bidh fios agaibh gun dail gu’m bheil mise ceart. Cha ’n e moncaidh nadarra ’th’ anns a’ mhoncaidh sin idir; is e ’th’ ann prionnsa og, mac righ mhoir. Chruth-atharraicheadh gu moncaidh e le draoidheachd. B’ e am fathach mor, mac nighean Eblis, a chuir anns a’ chruth sin e. Chuir am fathach so [TD 29] an toiseach gu bas a’ bhana-phrionnsa og, mhaiseach, nighean an righ, Epitimarus, agus ’na dheigh sin chuir e am prionnsa so ann an riochd moncaidh.” Ghabh an righ ioghnadh mor an uair a chuala e so, agus thionndaidh e rium, agus dh’ fheoraich e dhiom an robh na dh’ innis a nighean dha mu m’ dheidhinn fior. O nach robh e ’n comas dhomh freagradh a thoirt air ann an cainnt, chuir mi mo lamh air mo cheann a’ ciallachadh gu’n robh na labhair i fior gu leor. CAIB. XIII. THUIRT an righ an sin ri’ nighinn, “Cia mar a tha fhios agad gur ann le draoidheachd a chuireadh am prionnsa so ann an riochd moncaidh?” “Innsidh mi sin dhiubh,” ars’ ise. “An uair a bha mi mu dheich bliadhna ’dh’ aois, bha seana bhean, mar a tha cuimhne agaibh, a’ frithealadh dhomh. Bha eolas anabarrach farsuinn aice air draoidheachd. Dh’ ionnsaich i dhomh tri fichead cleas ’s a deich de na cleasan draoidheachd. Leis na cleasan so rachadh agam air ceanna-bhaile na rioghachd a thilgeadh ann am priobadh na sul an teis meadhain a’ chuain, no air chul Beinn Chacasuis. Leis an ealain so aithnichidh mi anns a’ mhionaid a h-uile neach a tha fo gheasan, agus co a chuir ann iad. Air an aobhar sin, na biodh ioghnadh sam bith oirbh ged a thogainn-sa na geasan gun dail bhar a’ phrionnsa, agus ged a chuirinn ’n ’ur lathair e anns a’ chruth nadarra anns am bu choir dha bhith.” “A nighean, cha robh fhios agam gus a nis gu’n robh uiread sin a dh’ eolas agad,” ars’ an righ. “Mo thighearna,” ars’ an nighean, “tha ’n t-eolas so iongantach, agus is fhiach e ’ionnsachadh gu curamach; [TD 30] ach cha ’n ’eil mi ’smaointean gur coir dhomh uaill a dheanamh as.” A nis, o ’n a theid agad air,” ars’ an righ, “tog na geasan bhar a’ phrionnsa.” “Ni mi sin, agus cuiridh mi e anns a’ cheart chruth s an robh e an toiseach,” arsa nighean an righ. “Dean e, ma ta,” ars’ an righ, “cha ’n urrainn dut taitneas a’s mo a thoirt dhomhsa; oir ni mi ard-chomhairleach dheth, agus posaidh e thu fhein.” “Mo thighearna, tha mise deas gus umhlachd a thoirt dhuibh anns gach ni a chuireas sibh mu m’ choinneamh,” ars’ ise. An uair a thuirt i so, chaidh i do’n t-seomar aice fhein, agus thug i sgian as air an robh facail Eabhra sgriobhte. Thug i air an righ, air a’ chaillteanach, air a’ ghille-buird, agus ormsa a dhol sios do chuirt a bh’ anns an luchairt. Bha lobhta-chrochaidh mor-thimchioll na cuirte, agus thug i oirnne ’nar ceathrar seasamh air an lobhtaidh so; ach sheas i fhein ann am meadhain na cuirte. Tharruinn i cearcal mor mu’n cuairt air an aite ’s an robh i ’na seasamh, agus sgriobh i na h-uiread a dh’ fhacail ann an litrichean Arabianach an taobh a staigh de ’n chearcal so. An uair a bha gach ni deas a reir a miann, thoisich i ri labhairt briathran draoidheachd, agus ri aithris earrannan de ’n Choran. An ceann beagan uine thoisich an t-aite ri fas dorcha, mar gu’m biodh deireadh an t-saoghail air tighinn. Bhuail an t-eagal sinn gu h-anabarrach, gu h-araid an uair a chunnaic sinn am fathach, mac nighean Eiblis, air ar beulaobh ann an riochd leomhainn a bha uamhasach mor. Cha bu luaithe a chunnaic ise e na thuirt i, “A choin, an aite bhith similidh n am lathair mar bu choir dhut, am bheil de dhanadas agad feuchainn ri eagal a chur orm?” “Agus thusa,” fhreagair an leomhann, “an e nach ’eil [TD 31] eagal ort bristeadh air na mionnan a bh’ eadrainn nach deanamaid cron sam bith air a cheile?” “O chreutair mhollaichte!” arsa nighean an righ, “is math a dh’ fhaodas mise a radh gur tusa a bhrist air na mionnan.” Fhreagair an leomhann gu garg, “Gheibh thusa do dhuais gun dail air son mise thoirt an so.” An sin dh’ fhosgail e a chraos, agus thug e ionnsuidh air a h-itheadh. Ach bha ise ’na faireachadh, agus thug i leum air a h-ais. Spion i roineag de ’n fhalt as a ceann, agus an uair a labhair i tri facail, chuir i i-fhein ann an riochd claidheimh leis an do ghearr i an leomhann ’na dha leith. Chaidh an da leith so as an t-sealladh, ach dh’ fhan ceann an leomhainn, agus ann an tiotadh chaidh e ann an riochd scorpioin. Ann am priobadh na sul chaidh nighean an righ ann an riochd nathrach, agus chathaich i ris an scorpion gus am b’ eiginn da teicheadh ann an riochd iolaire. Ach cha bu luaithe a chaidh an scorpion ann an riochd iolaire na chaidh an nathair ann an riochd iolaire mar an ceudna. Chaidh iad le cheile as an t-sealladh car uine. ’N dheigh sin dh’ fhosgail an talamh air ar beulaobh, agus thainig cat breac geal am mach, agus a h-uile gaoisne a bh’ air ’nan seasamh, agus e ’miamhalaich gu h-eagallach. Thainig madadh-allaidh dubh am mach ’na dheigh, agus cha do leig e fois dha. Chaidh an cat ann an riochd cnuimh; agus thachair gu’n robh ubhall air an talamh a thuit bhar na craoibhe a bha ’fas air bruaich na h-aimhne, agus gun dail chaidh a’ chnuimh a steach ann. Dh’ fhas an t-ubhall cho mor ann an tiotadh ’s gun do spraidh e na phiosan. Chaidh am madadh-allaidh ann an riochd coilich, agus thoisich e ri itheadh nam frasan a bha ’m broinn an ubhall. Ach an uair a shaoil e gu’n d’ ith e iad uile, thainig e an rathad a bha sinn, agus a [TD 32] sgiathan sgaoilte, agus e ’gogail gu trang, mar gu’m biodh e ’faighneachd dhinn, an d’ ith e na frasan uile. Bha aon silean de ’n fhras aig bruaich na h-aimhne, agus an uair a thug an coileach an aire dha, ruith e g’ a ionnsuidh gus itheadh; ach an uair a bha e gus a bhith aige, rol an silean e fhein do ’n amhainn, agus chaidh e ’na iasg beag. Ann an tiotadh chaidh an coileach ’na iasg mor, agus thoisich e ri ruith an deigh an eisg bhig. Bha iad da uair an uaireadair fo ’n uisge, agus cha robh fhios againn ciod a dh’ eirich dhaibh. Ach mu dheireadh chuala sinn glaodhaich uamhasach a thug oirnn a dhol air chrith leis an eagal, agus an sin chunnaic sinn am fathach agus nighean an righ ’nan lasraichean teine, agus iad a’ tilgeadh chuifeanan teine as am beoil air a cheile. Bha leithid de theine ’s de thiugh-cheo timchioll orra ’s gu’n robh eagal oirnn mu dheireadh gu’n cuireadh iad an luchairt ’na teine. Ach an uine ghoirid bha aobhar eagail bu mho na so againn; oir an uair a fhuair am fathach a lamhan nighean an righ, thainig e far an robh sinn air an lobhtaidh, agus thoisich e air tilgeadh lasraichean teine as a bheul oirnn. Bha sinn air ar losgadh mur b’ e gu’n d’ thainig nighean an righ g’ ar teanacsadh. Ach a dh’ aindeoin na rinn i gus a chumail uainn, loisgeadh feusag agus aghaidh an righ gu h-olc; thacadh an caillteanach, agus rinneadh dubh-ghual dheth, agus chuir an lasair te dhe na shuilean asamsa. Bha duil agamsa agus aig an righ nach robh tuilleadh saoghail againn, an uair a chuala sinn ise a’ glaodhaich, “Buaidh, buaidh!” Ann an tiotadh bha nighean an righ ’na cruth nadarra fhein, ach bha am fathach ’na thorr luathadh. Thainig i gun dail far an robh sinn, agus dh’ iarr i cupan uisge a thoirt g’ a h-ionnsuidh. Thug an gille-buird uice e, agus an deis dhi facail a radh nach do thuig mi, dhoirt i mu m’ cheann e, ag radh, “Ma ’s ann le draoidheachd [TD 33] a rinneadh moncaidh dhiot, bi air d’ atharrachadh gu cruth duine mar a bha thu roimhe.” Mu ’n gann a labhair i na briathran so, bha mise ann an cruth duine mar a bha mi ’n toiseach, ach gu’n robh aon suil g’ am dhith. Bha mi ’dol a thoirt taing do nighean an righ air son na rinn i de mhath dhomh, an uair a labhair i ri ’h-athair mar so:—“Mo thighearna, fhuair mi buaidh air an fhathach, mar a tha fhios agaibh; ach tha i gle dhaor dhomh, oir cha bhi mi beo ach beagan mhionaidean. Fhuair an teine greim orm an uair a bha mi ’cath ris an fhathach. Cha tachradh so idir dhomh nan d’ thug mi an aire do ’n t-silean mu dheireadh de ’n fhras a bh’ anns an ubhaill, agus gu’n d’ ith mi e, mar a dh’ ith mi an corr, an uair a bha mi an riochd coilich. B’ e sid an dara riochd mu dheireadh anns an robh comas aig an fhathach air e fhein a chur. Ach o ’nach d’ rinn mi so ’na am, b’ eiginn domh feuchainn ris a chath a chur le teine, mar a chunnaic sibh. A dh’ aindeoin cho chumhachdach ’s cho fiosrach ’s gu’n robh am fathach, leig mise fhaicinn da gu’m b’ aithne dhomh barrachd air na b’ aithne dha. Thug mi lan-bhuaidh air, agus loisg mi e; ach cha ’n ’eil e ’n comas dhomh a nis am bas a sheachnadh.” Bha ’n righ fo mhor dhoilghios an uair a chuala e na briathran so. “Mo nighean,” ars’ esan, “tha thu ’faicinn gu’m bheil d’ athair ann an droch staid. Ochan! is iongantach gu’m bheil mi fhathast beo! Tha ’n caillteanach marbh, agus tha ’m prionnsa a shaor thu o ’n draoidheachd an deis a shuil dheas a chall.” Bha e cho lan de bhron ’s nach b’ urrainn da an corr a radh. Thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach. An uair a chunnaic mise agus a nighean an staid mhuladach anns an robh e, cha b’ urrainn duinn gun teannadh ri gul ’s ri caoidh maille ris. [TD 34] An uair a bha sinn mar so ’nar triuir a’ gul ’s a’ caoidh, ghlaodh nighean an righ, “Tha mi ’g am ’losgadh! Tha mi ’g am ’losgadh!” Thug i an aire gu’n robh an teine a bha ’g a caitheamh as an deis greim fhaighinn air a collainn gu leir. Bha i ’sior ghlaodhaich, “Tha mi ’g am losgadh!” gus an do chaitheadh as i mu dheireadh. Ann am beagan mhionaidean bha i ’na torradan luathadh mar a bha ’m fathach. Cha gabh e innseadh am bron ’s an t-uamhas a chuir an sealladh so orm. B’ fhearr leam gu mor a bhith ’nam mhoncaidh fad uile laithean mo bheatha na mo bhanacharaid, chaoimhneil fhaicinn a’ basachadh anns an doigh ud. Bha ’n righ fo dhoilghios agus fo bhron gun choimeas. Bha e ’glaodhaich agus a’ gabhail dha fhein anns a’ cheann gus an do thuit e mu dheireadh ann an neul. Thug an luchd-frithealaidh leotha e, agus ann an uine gun bhi fada, bha e air chomas bruidhinn a dheanamh. Cha robh aobhar dhomhsa no do ’n righ fath a’ bhroin ’s a mhulaid anns an robh e ’innseadh dhaibh. Dh’ fhoghnadh dhaibh sealltainn air an da thorradan luathadh a rinneadh de ’n fhathach agus de nighean an righ, agus thuigeadh iad mar a thachair. Sgaoil an naigheachd muladach air feadh a’ bhaile ann an uine ghoirid, agus bha ’n sluagh gu leir fad sheachd latha fo bhron air son mar a thachair do nighean an righ. Bha ’n righ fad mhios air an leabaidh le bron an deigh bas a nighinn. Mu ’n gann a dh’ fhas e laidir gu leor chuir e fios ormsa. An uair a chaidh mi far an robh e ’s a thug mi umhlachd dha mar a bha dligheach dhomh a dheanamh, thuirt e rium:—“A phrionnsa, thoir an aire mhath do na bheil mi gus a radh riut. Mur dean thu mar a dh’ iarras mise ort, caillidh tu do bheatha g’ a [TD 35] chionn. Bha mi ’n comhnuidh a’ caitheamh mo bheatha gu sona, agus cha d’ thainig mi-fhortan riamh ’na mo rathad. Ach dh’ fhalbh mo shonas gu buileach ri linn thusa ’thighinn ’nam rathad. Tha mo nighean marbh; tha ’m fear a bha ’toirt an aire dhi marbh, agus is gnothach miorbhuileach gu’m bheil mi fhein beo fhathast. Is tusa bu mhathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig ’nam rathad. Air an aobhar sin, bi falbh gun dail ann an sith, oir bidh mi fhein marbh ma dh’ fhanas tu na s fhaide. Tha mi deimhin gu’m bi mi-fhortan anns gach aite am bi thu. Cha ’n ’eil an corr agam ri radh riut. Bi falbh, agus thoir do cheart aire nach tig thu gu brath air ais do mo rioghachd; ma thig, caillidh tu do bheatha ris. Bha mi ’dol a labhairt, ach cha leigeadh e leam aon fhacal a radh. Mar so b’ eiginn domh falbh as an luchairt. Bha mi gun mheas, gun chliu, gun chuideachadh, gun chairdean, agus cha robh fhios agam co an taobh air an tugainn m’ aghaidh. Mu ’n d’ fhalbh mi as a’ bhaile thug mi dhiom an fheusag, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi uman eideadh caladair. An uair a ghabh mi mo thurus as a’ bhaile, bha mi gle mhuladach, cha b’ ann a mhain air son mar a dh’ eirich dhomh fhein, ach gu sonraichte air son mar a dh’ eirich do ’n da bhana-phrionnsa a fhuair am bas air mo shaillibh. Choisich mi troimh iomadh duthaich gun duine ’g am aithneachadh. Mu dheireadh shuidhich mi gu’n tiginn gu ruige Bagdad, ann an dochas gu’n gabhadh an righ truas dhiom an uair a dh’ innsinn dha a h-uile mi-fhortan troimh ’n deachaidh mi. Thainig mi do ’n bhaile air an fheasgar so fhein, agus b’ e an caladair so, ar brathair, a’ cheud duine a choinnich rium. Tha fios agaibh mar tha air a’ chuid eile dhe m’ eachdraidh, agus cia mar a fhuair mi de dh’ urram a bhith an so a nochd maille ribh. [TD 36] CAIB. XIV. AN uair a chuir an dara caladair crioch air a naigheachd, thuirt Sobaide ris, “Tha h-uile cuis ceart; faodaidh tu bhith ’falbh agus do rogha rathad a ghabhail.” Ach an aite falbh is ann a ghuidh e oirre gu’n leigeadh i leis fuireach gus an cluinneadh e eachdraidh nan daoine eile a bh’ anns an t-seomar. An uair a thug Sobaide cead dha fuireach, shuidh e ann an aite air leith An uair a thoisich an treas caladair ri eachdraidh a bheatha fhein innseadh, thuirt e:—“A bhaintighearna urramach, tha m’ eachdraidh-sa gle neo-choltach ris an da eachdraidh a chuala sibh cheana. Chaill an da phrionnsa a dh’ innis an eachdraidh an leith shuil le mi-fhortan a thainig ’nan rathad ’s gun choire sam bith aca fhein ris, ach chaill mise mo leith shuil le mo choire fhein, mar a thuigeas sibh an uair a chluinneas sibh m’ eachdraidh. Is e Agib an t-ainm a th’ orm, agus is mac righ mi. B’ e Casaib ainm m’ athar. An deigh bas m’ athar, bha mise ’nam righ, agus bha mi ’gabhail comhnuidh anns a’ bhaile anns an robh m’ athair a’ gabhail comhnuidh romham. Tha ’m baile ri cois a’ chladaich, agus tha acarsaid ann cho farsuinn ’s cho sabhailte ’s a gheibhear anns an t-saoghal. Tha arm-lann anns an acarsaid so anns an togtadh ceud gu leith long-chogaidh, leith cheud long air son giulan bathair, a bharrachd air moran de shoitheachan eile, beag is mor de gach seorsa. Tha mo rioghachd gu math farsuinn, agus tha aireamh mhath a dh’ eileanan mora innte, agus tha iad uile ann an sealladh a’ cheanna-bhaile. An uine ghoirid an deis dhomh a bhith air mo dheanamh ’nam righ, chaidh mi air feadh gach cearn de ’n rioghachd a chum gu ’m faicinn an sluagh, agus gu ’n [TD 37] deanainn gach ni a ghabhadh deanamh gus toirt orra a bhith umhail agus dileas dhomh. ’Na dheigh sin an uair a fhuair mi an cabhlach gus leir a chur ’na lan uidheam, sheol mi do na h-eileanan gu eolas a chur air an t-sluagh a bha ’nan comhnuidh annta. An ath bhliadhna, rinn mi a’ cheart ni. Thug so orm tlachd a ghabhail ann a bhith ’seoladh. Mu dheireadh, bhuail e anns an inntinn agam gu’m bu choir dhomh falbh feuch an tachradh eileanan eile rium gus seilbh a ghabhail orra, agus mar so, mo rioghachd a mheudachadh. Fhuair mi deich longan-cogaidh fo ’n lan uidheam, agus sheol sinn. Fad shia seachdainean, bha soirbheas againn cho fabharrach ’s a dh’ iarramaid. Ach ’na dheigh sin sheid stoirm laidir ’n ar n-aghaidh fad latha ’s oidhche, agus cha mhor nach deachaidh ar call. Mu shoilleireachadh an latha thuit a’ ghaoth, agus thainig a’ ghrian ris gu briagha. O ’n a thachair dhuinn aig an am a bhith faisge air eilean mor, dh’ acraich sinn dluth dha, agus thug sinn uisge agus biadh air bord. An ceann da latha sheol sinn. An ceann deich latha an deis dhuinn seoladh bha suil am mach againn feuch am faiceamaid fearann; ach cha robh fearann ri’ faicinn. An uair a chunnaic mi nach robh cuisean air thuar a dhol leam cho math ’s a bha mi ’n duil, thug mi ordugh tilleadh dhachaidh. Ach thuig mi gu’n do chaill sinn ar cursa. Air an latha sin fhein chuireadh fear de ’n sgiobadh suas do ’n chram-mheadhain feuch an deanadh e am mach an robh sinn faisge air fearann. An uair a thainig e ’nuas, thuirt e nach robh coltas fearainn ri fhaicinn taobh sam bith; “ach tha mi,” ars’ esan, “a’ faicinn meall mor dubh ’nar deigh.” An uair a chual’ am fear-iuil a bh’ againn air bord na briathran so, dh’ fhas ’aghaidh cho geal ris an anart. Le a leith laimh thug e ’bhoinneid bhar a chinn, agus bhuail e air an dec i, agus leis an laimh eile thoisich e ri bualadh [TD 38] ’uchd agus ri radh, “Tha sinn caillte! Cha teid a h-aon dhinn as! Agus tha e neo-chomasach dhomhsa an cunnart a sheachnadh.” An uair a thuirt e so, bhuail e air gul ’s air caoidh, mar dhuine a bhiodh a’ faicinn gu’n robh e dluth air bas obann. An uair a chunnaic sgiobadh na luinge an suidheachadh anns an robh e, chaidh iad uile air chrith leis an eagal. Dh’ fheoraich mi dheth c’ar son a bha eagal cho mor air; agus thuirt e rium gu’n d’ fhuadaich an stoirm cho fada bhar ar cursa sinn ’s gu’n robh sinn tuilleadh is dluth air na beanntan dubha. “Anns na beanntan so,” ars’ esan, “tha moran de chloich dhaoimein, agus mu ’n am so am maireach, an uair a bhios sinn air ar tarruinn gu math dluth dhaibh, tairnidh a’ chlach dhaoimein so a h-uile tairing iaruinn a th’ anns na longan am mach asda, agus theid iad ’nam bordan beaga, agus bidh sinn uile air ar call. Tha taobh nam beanntan so luma lan de thairnean a bh’ anns na longan a bh’ air am bristeadh orra a chionn iomadh linn. Mar is mo a bhristear de shoithichean air cladach nam beanntan so, is ann is mo a bhios de chumhachd tarruinn aca air soithichean eile. “Tha garbhlach anabarrach mor air taobh a’ chuain de na beanntan so. Air mullach te dhiubh, tha taigh umha air a thogail air am bheil mullach cruinn. Air mullach an taighe so, tha each umha ’na sheasamh. Air muin an eich so, tha marcaiche ’n a shuidhe, agus air an uchd aig a’ mharcaiche, tha uchd-eideadh luaidhe air am bheil facail dhraoidheachd sgriobhte. Tha e air aithris gur e an t-each agus am marcaiche an t-aobhar sonraichte air son gu’m bheil na h-uiread de shoithichean air am bristeadh, agus de dhaoine air am bathadh air cladach na beinne, agus gu’m bi an call so a tachairt gus an leagar an t-each agus am marcaiche bhar mullach an taighe.” [TD 39] An uair a chuir am fear-iuil crioch air na briathran so, thoisich an sgiobadh ri gul ’s ri caoidh maille ris. Bha mi ann an lan dhuil gu’n robh crioch mo bheatha dluth air laimh. Anns an am thoisich a h-uile fear a bh’ air bord ri deanamh deiseil air son a bheatha fhein a shabhaladh, nan gabhadh sin deanamh. Rinn gach fear dileabach de ’n fhear eile, a chum gu’m biodh cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheo. Anns a’ mhadainn an la-iar-na-mhaireach bha sinn gu math dluth do na beanntan, agus chuir na chuala sinn mu ’n deidhinn am barrachd uamhais oirnn. Mu mheadhain latha bha sinn cho dluth orra ’s gu’n do lan-chreid sinn gu’n robh na dh’ innis am fear-iuil dhuinn mu’n deidhinn fior gu leor. Thoisich gach tairig agus gach iarann eile a bha anns na longan air leum asda gu cladach na beinne. Mu dheireadh sgaoil iad ’nam bordan as a cheile, agus chaidh iad fodha. Bhathadh a h-uile duine ach mi fhein. Ach bha Dia trocaireach dhomh, agus thachair gu’n d’ fhuair mi greim air maide mor a chum an uachdar mi. Beag air bheag chuir a’ ghaoth mi fhein ’s am maide gu tir aig bonn na beinne gun bheud a dheanamh orm. Ged a bha ’n cladach garbh, creagach, anabarrach doirbh ri ’dhireadh, thachair gu’n deachaidh mi air tir ann an aite anns an robh e rud eiginn furasda dhomh a’ bheinn a dhireadh. An uair a chunnaic mi so, thug mi taing do Dhia, agus dh’ earb mi mi-fhein ris. Thoisich mi ri direadh na beinne, ach ma thoisich cha robh sin furasda dhomh a dheanamh. Cha robh bileag fheoir ri fhaicinn o bhonn gu mullach na beinne: cha robh anns a’ bheinn ach clach dhubh, chruaidh, shleamhuinn; agus chuireadh an oiteag ghaoithe bu lugha bhar mo chas mi iomadh uair. Ach a dh’ olc no dh’ eiginn gu’n d’ fhuair mi, rainig mi mullach na beinne mu dheireadh. Chaidh mi steach do ’n taigh, [TD 40] agus air mo ghluinean thug mi taing do Dhia air son cho trocaireach ’s a bha e dhomh. Chuir mi seachad an oidhche anns an taigh. Chaidil mi gu trom; oir bha mi gle sgith. Chunnaic mi bruadar iongantach. Ar leam gu’n d’ thainig seann duine liath, air an robh coltas siobhalte, far an robh mi, agus gu’n dubhairt e rium, Eisd rium, Agib: cho luath ’s a dhuisgeas tu, cladhaich an talamh aig do chasan, agus gheibh thu fo ’n talamh bogha-saighead umha, agus tri saighdean luaidhe a rinneadh fo runnagan araid, a chum an cinne-daon a shaoradh o iomadh trioblaid do ’m bheil iad buailteach. Tilg na tri saighdean air an iomhaidh duine a th’ air muin an eich, a th’ air mullach an taighe. Tuitidh an iomhaidh so sios do ’n chuan; ach tuitidh an t-each-umha air do beulaobh. Feumaidh tu an t-each so a thiodhlacadh anns an t-slochd as an cladhaich thu am bogha-saighead agus na saighdean. Cha luaithe a ni thu so na thoisicheas am muir ri at ’s ri eirigh suas ri taobh na beinne, gus mu dheireadh am bi e cho ard ri urlar an taighe. An uair a bhios am muir cho ard sin, chi thu bata beag a’ tighinn an taobh a tha thu, agus coltas aon duine innte, agus e ’g a h-iomradh le ramh anns gach laimh. Cha ’n e duine a th’ ann, ach iomhaidh duine air a dheanamh de mhiotailt araid. An uair a thig am bata gu tir air do bheulaobh, theid thu gun dail a steach innte. Ach thoir do cheart aire nach ainmich thu ainm Dhe fhad ’s a bhios tu air bord innte. Ann an deich laithean bheirear thu a dh’ ionnsuidh aite anns am faigh thu cothrom air a dhol gu sabhailte do d’ rioghachd fhein. Ach cuimhnich nach toir thu guth air ainm Dhe fad na h-uine; ma bheir, cha ruig thu do rioghachd fhein gu brath.” Thug am bruadar so, an uair a dhuisg mi, misneach mhor dhomh. Gun dail sam bith chladhaich mi anns an [TD 41] talamh aig mo chasan far an robh mi ’nam laidhe. Fhuair mi am bogha-saighead agus na tri saighdean mar a thuirt an seann duine rium. Thilg mi na saighdean air an iomhaidh a bh’ air muin an eich umha, agus leis an treas saighead, leag mi e. Thuit e car ma char sios leis a’ bheinn, agus chaidh e as mo shealladh anns a’ mhuir. Thuit an t-each mar an ceudna air mo bheulaobh, agus gun dail sam bith thiodhlaic mi e anns an t-slochd as an d’ thug mi am bogha-saighead agus na saighdean. Mar a thuirt an seann duine rium, thoisich am muir ri at beag air bheag gus mu dheireadh an robh e cho ard ri urlar an taighe a bh’ air mullach na beinne. Thug mi an aire anns an am gu’n robh am bata ’tighinn, agus a’ deanamh direach air an aite anns an robh mi, agus thug mi taing do Dhia a chionn gu’n robh mi air thuar faotainn as an aite mhi-fhortanach anns an robh mi. Mu dheireadh, an uair a thainig am bata gu tir air mo bheulaobh, chunnaic mi gur e iomhaidh duine de mhiotailt a bha ’ga h-iomradh, mar a dh’ innseadh dhomh anns a’ bhruadar. Gun fhacal a radh, chaidh mi air bord innte. Dh’ iomair e air falbh o ’n bheinn, agus lean e air iomradh fad naoi latha agus naoi oidhche. Anns a’ mhadainn air an deicheamh latha, thug mi an aire gu’n robh sin a’ dluthachadh ri fearann. Bha mi cho lan de ghairdeachas aig an am ’s gu’n do dhichuimhnich mi a’ chomhairle a thug an seann duine orm anns a’ bhruadar. Thuirt mi, “Beannaichte gu robh Dia! Moladh do Dhia!” Cha bu luaithe a thuirt mi so na chaidh am bata agus an duine miotailt fodha fo m’ chasan. Bha mi ’nam dheadh shnamhaiche, agus o nach robh mi fada o thir, thuirt mi rium fhein gu’n rachadh agam air tir a thoirt am mach. Ach cha robh sin cho furasda dhomh ’s a bha mi ’n duil. An uine ghoirid thuit doinionn gharbh agus tiugh-dorchadas air an fhairge gu leir. Cha robh fhios [TD 42] agam co an taobh air an tugainn m’ aghaidh; ach bha mi sior shnamh. Mu dheireadh thoisich mo neart ri mo threigsinn. Thug mi duil thairis gu’m faighinn gu brath gu tir. Ach sheid a’ ghaoth anabarrach laidir, agus dh’ eirich na tonnan cho ard ’s gu’n robh iad ’g am iomain gu tir, gus mu dheireadh an do thilg iad air a’ chladach mi, agus mi leith mharbh. Bha de mhothachadh annam na thug fa near gu’m faodadh sruladh nan tonn mo thoirt am mach a rithist, agus thug so orm gu’n d’ ealaidh mi suas gu braighe a’ chladaich. CAIB. XV. A REIR choltais gu’n robh mi greis mhath ’nam chadal ’s an aodach fhliuch am braighe a’ chladaich; oir, an uair a dhuisg mi bha ’ghrian air eirigh gu math ard. Bha latha anabarrach blath, briagha ann, agus chuir mi dhiom mo chuid aodaich, agus sgaoil mi air thiormachadh e ris a’ ghrein. An uair a bha e tioram gu leor chuir mi umam e, agus dhirich mi suas o ’n chladach feuch ciod a chithinn. Cha deachaidh mi fad air m’ aghaidh an uair a chunnaic mi gu’n robh mi air eilean beag, fasail, a bha gu math fad’ o thir-mor. Thug so mo mhisneach uam gu mor; oir ged a fhuair mi as gu sabhailte o chunnart na mara, cha robh e coltach gu’n robh doigh sam bith ann air am faighinn as an eilean gus a dhol do mo rioghachd fhein. Ach o ’n a bha pailteas de chraobhan-meas air an eilean, thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras. Chuir mi mi-fhein air churam Dhe, agus ghuidh mi air gu’n deanadh e rium mar a chitheadh e iomchuidh. Aig a’ cheart am chunnaic mi long a’ tighinn o thir-mor a dh’ ionnsuidh an eilean. Thuig mi gu’n robh ’nam [TD 43] beachd acrachadh aig an eilean; agus o nach robh fhios agam ciod e an seorsa dhaoine a bh’ annta, thuirt mi rium fhein, gu’m b’ e an gnothach bu shabhailte dhomh cumail as an sealladh. Dhirich mi suas do chraoibh mhoir far am faicinn iad, agus far nach fhaiceadh iadsan mise. Thainig an long do bhagh beag a bha faisge orm, agus cha bu luaithe a chuireadh am mach an t-acaire na thainig deichnear gu tir. Bha spaidean is piocaidean aca, agus thuig mi gu’n robh iad gus an talamh a chladhach an aite eiginn. Chaidh iad gu meadhain an eilean, far an d’ thug iad greis mhath air cladhach; agus ar leam gu’m faca mi iad a’ togail lice bhar dorus-falaich. Thill iad air an ais thun a’ bhata, agus thug iad innsreadh agus biadh dhe gach seorsa gu tir, agus ghiulain iad e a dh’ ionnsuidh an aite anns an do chladhaich iad an talamh. Thug so orm a smaointean gur e taigh fo thalamh a bh’ ann. Chunnaic mi iad a’ tilleadh a rithist thun na luinge, agus thug iad gu tir seann duine agus gille og mu thimchioll choig bliadhna deug. Chaidh iad uile sios troimh an dorus-fhalaich, agus an ceann beagan uine thainig iad uile a nuas as an taigh fo thalamh ach an gille og. Thug so orm a smaointean gu’n d’ fhag iad anns an taigh fo thalamh e, agus ghabh mi ioghnadh mor. Chaidh an seann duine agus an deichnear sheirbhiseach air bord, agus gun dail sam bith sheol iad air falbh a dh’ ionnsuidh tir-mor. An uair a chunnaic mi gu’n robh iad cho fad air falbh ’s nach tugadh iad an aire dhomh, thainig mi ’nuas as a’ chraoibh, agus chaidh mi far am faca mi iad a’ cladhach na talmhainn. Beag air bheag ghlan mi an talamh air falbh, agus leig mi ris clach a bha mu thri troidhean air gach rathad. Thog mi i, agus chunnaic mi gu’n robh staidhre chloiche foidhpe. Chaidh mi sios, agus rainig mi seomar mor air an robh lar-bhrat, agus anns an robh [TD 44] uirigh a bha comhdaichte le brat a dh’ obair-ghreis ro ghrinn, air an robh an duine og ’na shineadh, agus guite ’na laimh. Chunnaic mi so le solus nan coillnean ceireach a bha laiste anns an t-seomar. Ghabh an duine og clisgeadh an uair a chunnaic e mi. Ach air eagal gu’n gabhadh e miapadh ro mhor, ghrad thuirt mi ris, “Ge b’ e air bith co thu, na biodh eagal sam bith ort. Is righ mise, agus mac righ, agus uime sin cha dean mi cron sam bith ort. An aite cron a dheanamh ort is docha gu’n do thachair dhomh tighinn an so a chum math a dheanamh dhut. Tha thu an so air do thiodhlachadh beo air son aobhair air am bheil mise an-fhiosrach. Ach is e a tha cur ioghnaidh orm (oir chunnaic mi gach ni a thachair o ’n a thainig tu air tir do ’n eilean), c’ar son a leig thu leotha do dhunadh a steach an so gun chur gu laidir ’nan aghaidh. Rinn an duine og faite gaire an uair a chuala e na briathran so, agus dh’ iarr e orm suidhe. An uair a shuidh mi thuirt e rium:—“A Phrionnsa, tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut rud a chuireas ioghnadh anabarrach mor ort.” “Tha m’ athair ’na mharsanta-sheudan, agus leis cho glic, gleusda ’s a bha e ’dol an ceann a ghnothaich, rinn e fortan mor. Tha aireamh mhor sheirbhiseach aige, agus tha aige mar an ceudna, fir-ionaid a tha ’deanamh gnothaich air a shon air muir ’s air tir ann an iomadh aite air feadh an t-saoghail. Agus tha e ’reic moran sheudan ri righrean ’s ri prionnsachan, agus ri ard-mhaithean gach rioghachd. “Bha m’ athair posda iomadh bliadhna mu’n robh teaghlach aig. Ach chunnaic e bruadar o ’n do thuig e gu’m biodh mac aige, ach nach biodh a shaoghal ach goirid. An uair a dhuisg e, bha e fo thrioblaid inntinn anabarrach mor mu ’n chuis. Mu ’n am sin dh’ fhas mo [TD 45] mhathair leith-tromach ormsa, agus an ceann naoi miosan rugadh mi, agus a reir mar a chuala mi, bha gairdeachas nach bu bheag ann an taigh m’ athar. Ghabh m’ athair beachd air a’ cheart mhionaid air d’ rugadh mi, agus gun dail sam bith chaidh e far an robh reuladairean ainmeil a bh’ anns an rioghachd, feuch am faigheadh e ’mach ciod a bha gu eiridh dhomh. Thuirt iad ris mar so:—“Bidh do mhac beo, slan, fallain, fad choig bliadhna deug, agus ma dh’ fhaoidte na ’s fhaide; ach aig aois nan coig bliadhna deug bidh e ann an cunnart mor gu’n caill e ’bheatha. Ma sheachnas e an cunnart mor so, faodaidh e bhith beo gus am bi e ’na fhior sheann duine. Is e am a’ chunnairt an t-am anns an tilg Prionns’ Agib, mac Righ Casib, an iomhaidh a th’ air mullach na beinn dhaoimein sios do ’n chuan; agus an ceann da fhichead latha ’s a deich ’na dheigh sin, cuiridh am prionnsa so do mhac gu bas.” Thuig m’ athair gu’n robh an fhiosachd so a’ co-chordadh anns gach ni ris a’ bhruadar a chunnaic e, agus chuir e trioblaid-inntinn ro mhor air. Thug e dhomhsa sgoil is ionnsachadh is fìosrachadh cho math ’s a ghabhadh dheanamh. Is e so an coigeamh bliadhna deug dhe m’ aois; agus dh’ innseadh an de do m’ athair gu’n do thilg Prionns’ Aigib an iomhaidh umha a bh’ air mullach na beinne do ’n chuan o chionn deich latha. Chuir an naigheachd so m’ athair gu bron ’s gu tuireadh cho mor ’s gur gann a dh’ aithnicheadh duine e. Ged a bha e ’creidsinn gu’n robh an fhiosachd a rinn na reuladairean mu m’ dheidhinn fior, gidheadh dh’ fheuch e ris gach ni a dheanamh a ghabhadh deanamh a chum mise ’ghleidheadh o ’n chunnart a dh’ ainmich mi. Thog e taigh-fo-thalamh anns an eilean gus mise a chur am falach ann gus an rachadh am a’ chunnairt seachad, agus cho luath ’s a chual’ e gu’n do thilgeadh an iomhaidh do ’n [TD 46] chuan, chuir e mise an so. An ceann da fhichead latha thig e g’ am iarraidh. Air mo shon fhein dheth, cha ’n urrainn mi ’chreidsinn gu’n tig Prionns’ Agib g’ am iarraidh do ’n aite uaigneach, aonaranach so. So, mo thighearna, na bheil agam ri ’innseadh dhuibh.” Am feadh ’s a bha n duine og ag innseadh na naigheachd so dhomh, cha b’ urrainn mi gun a bhith ’smaointean air cho mi-choltach ’s a bha ’n fhiosachd a rinn na reuladairean. Cha robh anns an t-saoghal na bheireadh orm a chreidsinn gu’n robh e comasach gu’n cuirinn an duine og so gu bas. Thuirt mi ris, “Mo ghille math, cuir d’ earbsa ann am mathas Dhe, agus na biodh eagal sam bith ort. Cha chuirear gu bas thu fhad ’s a bhios tu anns an eilean so. Tha mise ro thoilichte gu’n do thachair dhomh tighinn do ’n eilean so a chum do dhion o gach neach a bhiodh ag iarraidh do bheatha thoirt air falbh. Cha ’n fhalbh mi a so gus an tig crioch an da fhichead latha, mu n robh na reuladairean a cur eagail ort. Agus ni mi gach ni ’nam chomas a chum do thoileachadh, agus an uine a chur seachad cho cridheil ’s cho taitneach ’s a ghabhas deanamh anns an aite so. Na dheigh sin gheibh mi as an eilean so air an luing leis an tig d’ athair g’ ad iarraidh; agus an uair a gheibh mi air ais do m’ rioghachd fhein, bidh cuimhne agam air a’ chomain a chuir thu orm, agus cha dichuimhnich mi caoimhneas a nochdadh dhut.” Thug na briathran so a labhair mi ris misneachd mhor dha. Cha d’ innis mi idir dha gu’m bu mhi Agib roimh an robh eagal cho mor air; oir, nan robh fhios aig co mi, is docha gu’n rachadh e as a chiall leis an eagal. Chuir sinn seachad an uine gu h-oidhche a’ comhradh mu chaochladh nithean. Thuig mi o ’n chomhradh a bh’ eadrainn, gu’n robh e ’na dhuine og a bha gle thurail, tuigseach. Ghabh mi biadh comhladh ris; agus bha ’m [TD 47] pailteas bidh aige air ar son le cheile. Thug sinn greis air comhradh an deigh ar suipearach, agus an sin ghabh sinn mu thamh. O latha gu latha bha mi ’feuchainn cho math ’s a b’ aithne dhomh ris an uine a chur seachad leis gach toil-inntinn air am b’ urrainn mi smaoineachadh. Ann am beagan laithean dh’ fhas sinn gle mheasail air a cheile. Feumaidh mi radh gu’n do ghabh mi tlachd cho mor dheth ’s gu’n dubhairt mi uair is uair rium fhein, “Cha ’n ’eil anns na reuladairean a bha ’g radh ri’ athair gur mi a bha gus a chur gu bas ach na fior mhealltairean. Cha ’n ’eil e comasach gu’n deanainn-sa gniomh cho eucorach ri duine og, neo-chiontach a chur gu bas gun aobhar.” A dh’ aon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug ar fhichead ann an cuideachd a cheile cho cridheil, cho cairdeil, agus cho taitneach ’s a b’ urrainn a bhith. Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha. “Tha mi beo, slan; buidheachas do Dhia, agus dhutsa air son do chaoimhneis dhomh. Bidh m’ athair an so gun dail, agus bidh e gle thaingeil dhutsa air son cho caoimhneil s a bha thu rium, agus gach frithealadh a rinn thu dhomh. Bheir e dhut gach cuideachadh a’s urrainn da a chum comas a thoirt dhut faotainn air ais do d’ rioghachd fhein. Ach gheibh thu deiseil uisge teith dhomhsa a chum gu’m fairig mi mi-fhein, agus gu’n cuir mi uman deise ghlan mu ’n tig m’ athair.” Gun dail sam bith chuir mi uisge air teine, agus an uair a bha e teith gu leor, thug mi g’ a ionnsuidh e. An uair a nigh e e-fhein anns an t-soitheach-fharagaidh, agus a chuir e uime deise ghlan, leig e e-fhein ’na shineadh anns an leabaidh. Sgaoil mise am brat thairis air, agus chaidil e gu trom car uine. An uair a dhuisg e thuirt e rium, “Thoir dhomh meal-bhucan agus siucar a chum gu’n ith mi beagan, oir tha ’n t-acras orm.” [TD 48] Thagh mi an te b’ fhearr a fhuair mi, agus chuir mi air trinnsear i. Ach o nach robh fhios agam c’aite am faighinn sgian, dh’ fheoraich mi dheth c’aite am faighinn te. Thuirt e rium gu’n robh an sgian a bhiodh aige ’gan gearradh air an sgeilp a bha os cionn a chinn anns an leabaidh. Dhirich mi do ’n leabaidh a dh iarraidh na sgeine, agus anns an tionndadh dhomh ’s an sgian ’nam laimh chaidh mo chas an luib an aodaich, agus gu mi-fhortanach thuit mi air a mhuin, agus chaidh an sgian thun na coise anns a’ chridhe aige. An uair a chunnaic mi mar a thachair leig mi glaodh goirt asam. Bhuail mi mo cheann is m’ uchd; agus reub mi m’ aodach. Leis mar a bha mi air mo lionadh le bron do-labhairt, thilg mi mi-fhein air an talamh. “Ochan!” ghlaodh mi, “cha robh ach beagan uairean gus am biodh e saor o ’n chunnart roimh ’n do theich e an so; agus an uair a bha duil agam gu’n robh an cunnart seachad, mhort mi e, agus choimhlion mi an fhiosachd a rinneadh m’ a dheidhinn. Ach, O Thighearn! tha mi ’guidhe ort, thoir mathanas dhomh. Ma tha mi ciontach dhe ’bhas, cha ’n ’eil mi ag iarraidh a bhith beo na ’s fhaide.” CAIB. XVI. B’ E miann is iarrtus laidir mo chridhe am bas fhaotainn anns an am. Ach mar is trice, cha ’n fhaigh daoine an ni a’s miannach leotha. An uair a thug mi fa near nach deanadh gul is caoidh feum sam bith dhomh fhein, no dhasan a bha sinte marbh air mo bheulaobh, agus a smaoinich mi gu’m faodadh ’athair tighinn gun dail sam bith, agus mo ghlacadh ’s mo chur gu bas, thuirt mi rium fhein gu’m b’ fhearr dhomh mo chasan a thoirt as, agus mi [TD 49] fhein ’fhalach an aite eiginn anns an eilean. Ghrad dhirich mi suas an staidhre, agus an uair a leag mi a’ chlach air an dorus, agus a chuir mi an talamh air a muin mar a bha e roimhe, thug mi m’ aghaidh air a’ choille. Faisge air aite anns an robh an taigh-fo-thalamh bha craobh mhor air an robh duilleach tiugh. Dhirich mi suas do ’n chraoibh so, agus suil gu’n d’ thug mi air a’ chuan, chunnaic mi an long a’ seoladh o thir-mor a dh’ ionnsuidh an eilein. Thuirt mi rium fhein, “Ma chi an seann duine mi, is docha gu’n toir e air na seirbhisich mo ghrad mharbhadh an uair a chi e gu’m bheil a mhac marbh. A dh’ aindeoin na their mi ris gus mo leithsgeul a ghabhail, cha chreid e mi. Is fhearr dhomh mi fhein a chumail am falach cho math ’s a theid agam air.” Air dhomh so a radh, dhirich mi na b’ airde anns a’ chraoibh. An uine ghoirid na dheigh sin thainig an long gu aite acaire, agus thainig an seann duine agus na seirbhisich gu tir. Bha coltas air an t-seann duine a bhith ann an dochas math gu’m faigheadh e a mhac beo an uair a ruigeadh e an taigh-fo-thalamh. Ach an uair a rainig iad far robh e, agus a chunnaic iad gu’n robh an talamh air ur-chladhach, ghabh iad mi-mhisneach mhor. Thog iad a’ chlach, agus chaidh iad sios; agus an uair a ghairm an seann duine air an duine og air ’ainm, agus nach d’ thug e freagradh dhaibh, thuit an cridhe buileach glan. Chaidh iad do ’n t-seomar anns an robh e, agus fhuair iad fuar, marbh e, agus an sgian ’na chridhe. An uair a chunnaic iad mar a bha, leig iad uile an aon ghlaodh cianail asda, agus ann an tiotadh thuit an seann duine ann an neul. Thug na seirbhisich am mach as an taigh-fo-thalamh e, feuch an duisgeadh e as an neul an uair a gheibheadh e an t-aile, agus leig iad ’na shineadh e aig bonn na craoibh’ anns an robh mise. Ach a dh’ aindeoin gach doigh a dh’ fheuch iad ri ’thoirt as an neul, bha e uine mhath ann mu [TD 50] ’n do dhuisg e. Is ann a bha eagal orra nach duisgeadh e gu brath. An uair a dhuisg an seann duine as an neul, chaidh na seirbhisich sios do ’n taigh-fo-thalamh, agus thug iad a nuas corp a mhic. Chladhaich iad uaigh, agus chuir iad an corp innte. Le cuideachadh dithis dhe na seirbhisich bha ’n seann duine comasach air seasamh aig bruaich na h-uaghach fhad ’s a bha e ’cur a’ cheud lan no dha spaide dhe ’n uir air corp a mhic. ’N a dheigh sin lion na seirbhisich an uaigh. An sin thug iad leotha an t-innsreadh agus gach ni eile a bh’ anns an taigh-fo-thalamh do ’n luing. Bha n seann duine cho fann le bron ’s le bristeadh cridhe ’s nach robh e ’n comas dha ceum coiseachd a dheanamh. Thug na seirbhich leotha air mhaidean e do ’n luing, agus gun dail sam bith sheol iad gu tir-mor. An uair a chaidh an long as mo shealladh, thainig mi ’nuas as a’ chraoibh. Chaidil mi anns an taigh-fo-thalamh an oidhche sin. An la-iar-na-mhaireach dh’ fhalbh mi air feadh an eilean, agus an uair a thainig an oidhche, chuir mi seachad i anns an aite a b’ fhasgaiche a thachair rium. Bha mi fad mhios a’ falbh air feadh an eilein, air an doigh so. Latha dhe na laithean thug mi an aire gu’n robh am muir air traghadh anabarrach mor, agus nach robh ach astar beag ri shnamh gus am faighinn gu cladach tir-mor. An deigh dhomh snamh tarsuinn air a’ mhuir, bha astar math agam ri choiseachd air feadh na bha de lathaich ann an iochdar a’ chladaich. Bha mi gle sgith mu ’n d’ rainig mi talamh tioram. Shuidh mi greis a leigeadh m’ analach. ’N a dheigh sin an uair a choisich mi astar math air m’ aghaidh troimh ’n duthaich, chunnaic mi, ar leam, meall mor teine astar math uam. Thug an sealladh so toileachadh mor dhomh; oir bha fhios agam gu’m biodh daoine faisge air far am biodh teine. Ach an [TD 51] uair a chaidh mi gu math na bu dluithe dha, chunnaic mi nach e teine a bh’ ann ach caisteal copair a bha anabarrach mor, maiseach; agus an uair a bhiodh a’ ghrian a’ dearrsadh air, shaoileadh duine ’bhiodh fada uaithe gur e meall mor teine a bh’ ann. An uair a rainig mi faisge air a’ chaisteal so, shuidh mi car uine a leigeadh m’ analach, agus a ghabhail beachd air; oir cha ’n fhaca mi aitreamh riamh cho briagha ris. Cha robh mi fada ’nam shuidhe an uair a chunnaic mi deichnear dhaoine oga cho deas, dealbhach, dreachar ’s a chunnaic mi riamh a’ tighinn an rathad a bha mi. Ach ghabh mi ioghnadh mor an uair a thug mi ’n aire gu’n robh an t-suil dheas air a cur as gach fear dhiubh. Bha seann duine ard, liath, a bha gle tlachdmhor ’na choltas, a’ coiseachd maille riutha. Cha b’ urrainn domh gun ioghnadh a ghabhail an uair a chunnaic mi uiread so de dhaoine comhladh air leith shuil, agus an aon t-suil a dhith orra gu leir. Am feadh ’s a bha mi ’dol fo m’ smaointean cia mar a thachair dhaibh a bhith ann an cuideachd a cheile, thainig iad far an robh mi ’nam shuidhe, agus, a reir choltais, bha iad gle thoilichte m’ fhaicinn. An deigh dhaibh failte a chur orm, dh’ fheoraich iad dhiom, ciod e a chuir an sid mi. Thuirt mi riutha gu’n tugadh e uine fhada dhiom fios an aobhair ’innseadh; ach nam b’ e an toil suidhe laimh rium, gu’n innsinn mo naigheachd dhaibh o thoiseach gu deireadh. Shuidh iad ri m’ thaobh, agus dh’ innis mi dhaibh a h-uile ni a thachair dhomh o ’n latha ’dh’ fhalbh mi as mo rioghachd fhein. An uair a chual’ iad mu gach ni a dh’ eirich dhomh, ghabh iad ioghnadh mor. An uair a chuir mi crioch air mo naigheachd, dh’ iarr na daoine oga orm a dhol do ’n chaisteal maille riutha. Ghabh mi an tairgse gu toileach, agus an uair a chaidh sinn a steach ’s a choisich sinn troimh mhoran sheomraichean, [TD 52] rainig sinn seomar mor, farsuinn, anns an robh deich langsaidean, air am biodh an deichnear dhaoine oga ’nan suidhe air an latha, agus ’nan cadal air an oidhche. Bha na langsaidean so mor-thimchioll an t-seomar, agus bha ’n langsaid air am biodh an seann duine ’na shuidhe ’s ’na chadal, ann am meadhain an t-seomar. Ach o nach toilleadh air aon seach aon de na lansaidean ach aon duine, thuirt fear de na daoine oga rium, “A chompanaich, suidh thusa air an lar-bhrat ann am meadhain an t-seomair, agus na cuir ceisd mu thimchioll ni sam bith a buineas dhuinne, agus na feoraich c’ar son a tha ’n t-suil dheas g’ ar dith ’nar deichnear; gabh beachd air na chi thu, ach na farraid mu dheidhinn ni sam bith.” An uair a bha shin greis ’nar suidhe dh’ eirich an seann duine bhar na langsaid, agus chaidh e am mach as an t-seomar. An uine gun bhith fada thill e steach. Thug e an sin a steach an t-suipear, agus thug e a chuid fhein do gach fear air leith. Thug e dhomhsa mo shuipear mar an ceudna, agus ghabh mi i air leith leam fhein mar a rinn cach. An uair a ghabh sinn air suipear thug e cupan fiona do gach aon dhinn. Chuir an naigheachd a dh’ innis mi dhaibh mu gach mi-fhortan a thachair dhomh a leithid a dh’ ioghnadh orra ’s gu’n do ghuidh iad orm a h-innseadh dhaibh a rithist. Dh’ innis mi dhaibh i o thoiseach gu deireadh, agus bha cuid mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad mu ’n do chuir mi crioch oirre. Thuirt fear dhe na daoine oga, gu’n robh moran de ’n oidhche air a dhol seachad, agus mu ’n rachadh iad a laidhe, gu’m feumadh iad an dleasdanas a dheanamh mar a bh’ abhaist dhaibh. An uair a’ chual’ an seann duine so dh’ eirich e agus chaidh steach do sheomar beag a bha faisge air, agus thug e ’mach as deich miosan anns an robh luath is smur guail is dath dubh air am measgadh feadh a [TD 53] cheile. Thug e mios an t-aon do gach fear de ’n deichnear dhaoine oga. Shuath iad an stuth so ri ’n aghaidhean, agus chuireadh an dreach a bh’ orra eagal air dearg mheirleach. Thoisich iad ri gul ’s ri caoidh ’s ri bualadh an cinn ’s an uchd, agus ri radh, “So an toradh a th’ againn air son cho diomhain ’s cho mi-bheusach ’s a chaith sinn ar beatha ’s an am a dh’ fhalbh.” Lean iad air an obair so gus an robh e dluth air a’ mhadainn. An uair a sguir iad, thug an seann duine a steach uisge. Nigh iad an lamhan ’s an aghaidhean, agus chuir iad umpa aodach glan. Chuir an obair a bh’ aca ioghnadh mor orm. Bha fior thoil agam bruidhinn riutha, a chum gu’m feoraichinn dhiubh ciod bu chiall do ’n obair a bh’ aca; ach bha eagal orm mo bheul ’fhosgladh, o ’n a chuireadh gasaidean cruaidh’ orm gun aon fhacal a radh mu thimchioll ni sam bith a chithinn no ’chluinninn. Chuir na chunnaic ’s na chuala mi a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s nach d’ thainig norradh air mo shuil fad na h-oidhche. An la-iar-na-mhaireach cha bu luaithe a dh’ eirich sinn na ghabh sinn ceum am mach o ’n chaisteal. Thuirt mi riutha, “A dhaoine uaisle, ged a thuirt sibh rium nach robh mi ri ceisd a chur oirbh mu thimchioll ni sam bith a chithinn no chluinninn, cha ’n ’eil e an comas dhomh fuireach samhach na ’s fhaide. Tha lan fhios agam gur daoine turail, tuigseach sibh. Ach chunnaic mi sibh a’ deanamh nithean nach deanadh daoine glice sam bith gun aobhar sonraichte, agus bu math leam fios an aobhair a chluinntinn. C’ar son, ma ta, a dhubh sibh bhur n-aghaidhean an raoir? C’ar son a tha gach fear dhibh air leith shuil? Tha aobhar sonraichte air a shon so, agus bu mhath leam fios an aobhair ’fhaotainn am mach.” Thuirt iad rium nach robh gnothach sam bith agam a bhith ’feorach cheisdean de ’n t-seorsa dhiubh, agus gu’m [TD 54] b’ e ’n gnothach bu glice dhomh mo bheul a chumail samhach. An uair a chuala mi so dh’ fhan mi samhach. Chuir sinn seachad an latha gu caoimhneil, cairdeil, a’ comhradh mu chaochladh nithean. Ach an uair a thainig an oidhche ’s a ghabh sinn ar suipear, thug an seann duine a steach na miosan, agus dhubh gach fear dhiubh ’aodann, agus rinn iad gul is caoidh mar a rinn iad an oidhche roimhe sid, agus ghlaodh iad, “Is e so an toradh a th’ againn air son cho diomhain, agus cho mi-bheusach ’s a chaith sinn ar beatha ’s an am a dh’ fhalbh.” Rinn iad a’ cheart ni an treas oidhche. Mu dheireadh, cha robh e ’n comas dhomh fuireach samhach, agus ghuidh mi orra gu durachdach, gu’n innseadh iad dhomh c’ar son a bha iad ris an obair ud a h-uile oidhche, ar neo iad a dh’ innseadh dhomh cia mar a gheibhinn air ais do m’ rioghachd fhein. Thuirt mi riutha mar an ceudna, gu’n robh e neo-chomasach dhomh fuireach na b’ fhaide comhladh riutha mur innseadh iad dhomh aobhar na h-obrach a bh’ aca a h-uile oidhche. Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “Na biodh ioghnadh sam bith ort ged nach d’ thug sinn dhuit am fiosrachadh a bha thu ’g iarraidh. Is ann air son do mhath fhein a tha sinne a’ fuireach samhach. ’Nan innseamaid dhut gach ni mur ar deidhinn, bhiodh tu anns an aon t-suidheachadh ruinn fhein.” Thuirt mi ris, gu’n robh mi suidhichte air fios an aobhair ’fhaotainn am mach, ciod sam bith na dh’ fhuilinginn air a shon. “Is e mo chomhairle dhut,” ars’ esan, “gun an corr cheisdean a chur oirnn, ar neo ma chuireas, caillidh tu do shuil dheas air a shaillibh.” “Tha mi cearta coma,” ars’ mise, “tha mi ’g innseadh dhut nach cuir mi coire sam bith ortsa, ged a thachradh dhomh mar a tha thu ’g radh.” [TD 55] CAIB. XVII. THUIRT e rium mar an ceudna, nach ruiginn a leas dochas sam bith a bhith agam gu ’m faighinn cead fuireach comhladh riutha anns a’ chaisteal, ged a bhiodh toil agam, do bhrigh nach robh aite ann air son duine tuilleadh. Thuirt mi riutha gu’m biodh e ’na thoil-inntinn gle mhor dhomh cead ’fhaotainn fuireach maille riutha; agus ciod sam bith mi-fhortan a dh’ fhuilinginn air a’ shaillibh, gu’n robh mi ’guidhe orra am fiosrachadh a bha dhith orm a thoirt dhomh gun dail. An uair a chunnaic iad nach robh mi deonach an comhairle a ghabhail, fhuair iad caora, agus mharbh iad i. An uair a thug iad dhith an craicionn, thug iad dhomh sgian, agus thuirt iad rium gu’m biodh i feumail dhomh an uine gun bhith fada. “Feumaidh sinn innseadh dhut,” ars’ iadsan, “gu’m bheil sinn a’ dol ’g ad fhuaghal anns a’ chraicionn so, agus an uair a dh’ fhagas sinn air cnoc thu, thig eun anabarrach mor ris an canar, an roc, agus togaidh e air falbh leis thu ’na chruidhean, an duil gur e caora a bhios aige. Ach na biodh eagal sam bith ort; leigidh e as thu air mullach beinne. An uair a leigeas e as air an talamh thu, gearraidh tu an craicionn leis an sgidhinn, agus tilgidh tu dhiot e. Cho luath ’s a chi an roc thu, teichidh e air falbh leis an eagal, agus faodaidh tu do rathad a ghabhail. Ach na stad gus an ruig thu caisteal anabarrach mor, maiseach, a th’ air a thogail de chlachan luachmhor, agus air a chomhdachadh le or fiorghlan. Tha ’n geata fosgailte aig gach am, agus cha ’n ’eil agad ach gabhail a steach air. Bha sinne sinn-fhein anns a’ chaisteal cho fad ’s a bha sinn an so; ach cha ’n innis sinn dhut ni sam bith mu thimchioll ciod a chunnaic no ’chuala sinn, no ciod a [TD 56] thachair dhuinn an uair a bha sinn ann. Gheibh thu fios air thu-fhein; ach faodaidh sinn a radh, gur ann air saillibh a dhol ann a chaill gach fear dhinn a shuil dheas, agus am peanas a chunnaic tu sinn a’ deanamh, feumaidh sinn a’ dheanamh a chionn gu’n robh sinn anns a’ chaisteal. Tha eachdraidh gach aon dhinn cho lan de dhriod-fhortan iongantach ’s gu’n lionadh iad leabhar mor. Cha ’n fhaod sinn an corr innseadh dhut.” An uair a chuir am fear a bha ’labhairt crioch air na bh’ aige ri radh rium, dh fhuaigh iad ann an craicionn na caorach mi, agus an sgian ’nam laimh. Chuir iad air cnoc mi, agus thill iad do ’n chaisteal. Cha robh mi fada air a’ chnoc an uair a thainig an roc mar a thubhairt iad, agus thog e leis mi ’na chruidhean mar gu’m biodh caora aige, agus thug e gu mullach beinne mi. Cho luath ’s a leig e as mi, ghearr mi an craicionn leis an sgidhinn, agus thilg mi uam e. An uair a chunnaic an roc mi, theich e air falbh cho luath ’s a bh’ aige. Is e eun geal, anabarrach mor, a th’ anns an roc, agus tha e cho laidir ’s gu’n tugadh e elafant leis gu mullach beinne gus a h-itheadh. Gun dail sam bith choisich mi air falbh feuch an tachradh an caisteal orm. Leis cho cabhagach ’s a choisich mi, rainig mi e ann an leith latha; agus feumaidh mi ’radh, gu’n robh e moran na bu bhriagha na dh’ innis iad dhomh. Fhuair mi an geata fosgailte, agus an uair a chaidh mi steach, thainig mi gu cuirt cheithir-chearnach a bh’ ann an teis-meadhain a’ chaisteil. Sheas mi tiotadh, agus sheall mi mor-thiomchioll orm, agus thug mi ’n aire gu’n robh coig fichead dorus air a’ chuirt. Bha ceithir fichead ’s a naoi deug dhuibh air an deanamh dhe na h-uile seorsa fiodha a b’ fhearr agus bu mhaisiche na cheile, agus bha ’n dorus eile air a deanamh de dh ’or fiorghlan. Ghabh mi steach air an dorus a b’ fhaisge dhomh, agus an uair a [TD 57] chaidh mi beagan air m’ aghaidh, thainig mi gu seomar mor, farsuinn, lan innsridh cho maiseach ’s cho luachmhor ’s a chunnaic duine riamh. Anns an t-seomar so bha da fhichead bean-uasal ’nan suidhe, agus bha iad gu leir ’nam boirionnaich oga cho briagha ’s a chunnaic suil duine riamh; agus bha iad uile air an eideadh ann an trusgain cho riomhach ’s a b’ urrainn boirionnach a chur uimpe. Cho luath ’s a chunnaic iad mi, dh’ eirich iad uile ’nan seasamh, agus ghabh iad far an robh mi gus failte ’chur orm. Thuirt iad a beul a cheile, “Uasail urramaich, is e do bheatha.” An sin labhair te dhiubh rium ann an ainm chaich, agus thuirt i, “Tha uine fhada o ’n a bha sinn an dochas gu’n tigeadh do leithid de dhuin’ uasal an rathad so. Tha choltas ort gur duine thu a tha anns gach doigh freagarrach an son cuideachd a chumail ruinn, agus tha sinn an dochas gu’m bi ar-comunn-ne taitneach gu leor dhutsa.” Thug iad orm suidhe anns a’ chathair a b’ fhearr a bh’ anns an t-seomar. Ach an uair a leig mi ris dhaibh nach robh mi ’meas gu’m b’ airidh mi air a’ leithid so a dh’ urram fhaotainn uatha, thuirt iad, “Sin agad d’ aite; aig an am is tu ar tighearna, ar maighstir, agus ar breitheamh; agus tha sinn uile gu bhith ’frithealadh dhut, agus gu bhith umhail dhut anns gach ni a chuireas tu mu ’r coinneamh. Chuir an caoimhneas a bha iad a’ nochdadh dhomh, agus an toil a bh’ aca bhith ’dheanamh gach frithealadh dhomh, ioghnadh anabarrach mor orm. Thoisich te dhiubh ri nigheadh mo chas ann an uisge blath; bha te eile a’ nigheadh mo lamhan ann an uisge fuar; bha ’n treas te a’ faighinn aodaich deiseil a chuirinn umam; bha cach a’ faighinn a bhidh deiseil, agus a’ deanamh gach ni a ghabhadh deanamh a chum a’ chuirm a’ bha gus a bhith againn a chur an ordugh gu math ’s gu ro mhath. An uair [TD 58] a ghabh sinn na thainig ruinn de ’n bhiadh ’s de ’n deoch a bha cho pailt air ar beulaobh, shuidh iad mu ’n cuairt orm, agus dh’ iarr iad orm mo naigheachd innseadh dhaibh. Dh’ innis mi dhaibh m’ eachdraidh o thoiseach gu deireadh, agus mu ’n do chuir mi crioch air na bh’ agam ri innseadh dhaibh, bha ’m feasgar anamoch ann. An uair a thainig dubhar an fheasgair, las iad aireamh mhor de choinnlean ceireach, agus cha mhor nach robh an seomar cho soilleir ’s ged a bhiodh a’ ghrian na h-airde. Beagan uine ’na dheigh sin fhuair iad an t-suipear deiseil, agus bha gach seorsa bidh is dibhe air am b’ urrainn duine smaoineachadh air ar beulaobh air a’ bhord. Shuidh sinn ais an t-suipear, agus bha cuid mhath dhe ’n oidhche air a dhol seachad mu ’n d’ eirich sinn o ’n bhord. An uair a bha ’n t-suipear thairis, thoisich cuid diubh ri cluich air innealan-ciuil dhe gach seorsa, agus thoisich cuid eile ri dannsa. Bha e ’n deigh a mheadhain oidhche mu ’n do chuireadh crioch air a’ cheol ’s air an dannsa. Mu dheireadh thuirt iad rium, “Is cinnteach gu ’m bheil thu sgith an deis na rinn thu de choiseachd an diugh. Tha ’n t-am agad a dhol a ghabhail mu thamh. Tha ’n seomar-cadail deas.” Thuirt mi gu’n robh mi toileach gu leor a dhol a laidhe o ’n a bha mi sgith agus air dhroch cadal iomadh oidhche roimhe sid. Thugadh do sheomar anabarrach maiseach mi far an do chaidail mi cho trom ris a’ chloich gus an do shoilleirich an latha. Mu ’n gann a chuir mi umam mo chuid aodaich ’s a’ mhadainn, thainig na mnathan-uaisle gu leir a steach do ’n t-seomar far an robh mi a chur failte na maidne orm, agus a dh’ fheorach, cia mar a fhuair mi cadal, agus cia mar a bha mi. Thug iad deise riomhach do m’ ionnsuidh, agus an uair a thainig mi as an taigh-fharagaidh chuir mi umam i. [TD 59] Chaith sinn earrann mhath de ’n latha mu ’n bhord a’ gabhail bidh agus dibhe; agus an uair a chuir sinn seachad earrann mhor de ’n oidhche ri ceol ’s ri orain ’s ris gach toileachas-inntinn eile a bha freagarrach agus iomchuidh air son ar leithidean, ghabh sinn mu thamh. A chum sgeula goirid a dheanamh dheth, chuir sinn bliadhna seachad leis gach sogh is subhachas air an urrainn duine ainm a chur. An ceann na bliadhna an uair a thainig na mnathan-uaisle steach do ’n t-seomar a chur failte na maidne orm mar bu ghnath leotha ’dheanamh, thug mi an aire gu’n robh coltas mulaid air gnuis gach te dhiubh, agus chuir so ioghnadh mor orm; oir bu ghnath leotha a bhith anabarrach cridheil, aoidheil. Rug te an deigh te dhiubh orm na gairdeanan, agus thuirt iad, “Slan leat, a phrionnsa, slan leat! oir feumaidh sinn dealachadh riut.” An uair a chunnaic mi iad a’ sileadh nan deur, cha b’ urrainn domh cumail orm fhein. Dh’ fheoraich mi dhiubh c’ar son a bha iad cho tuirseach, agus ciod a b’ aobhar gu’n robh iad a’ dol a dhealachadh rium. “An ainm an aigh, innsibh dhomh e, agus ma tha e idir ’nam chomas comhfhurtachd no cuideachadh a thoirt dhuibh, ni mi e,” arsa mise. Ach an aite mo fhreagairt thuirt iad, “B’ fhearr nach fhaca sinn riamh thu! Ged a chuir iomadh duine uasal greis dhe ’n uine seachad ’n ar cuideachd, cha ’n fhaca sinn fear eile riamh fhathast a bha cho fior thlachdmhor anns gach doigh ’s a bha thusa; agus cha ’n eil fhios againn cia mar a bhios sinn beo as d’ aonais.” An uair a thuirt iad so, thoisich iad a rithist ri gul ’s ri caoidh. “A mhnathan-uaisle coire,” arsa mise, “na bithibh ’g am chumail an an-fhios na ’s fhaide. Innsibh aobhar bhur broin dhomh.” [TD 60] “Ochan!” ars’ iadsan, “is i an eiginn anns am bheil sinn a chionn a bhith dealachadh riut a tha ’g ar fagail cho bronach. Is docha nach fhaic sinn a cheile gu brath tuilleadh. Ach ma thogras tusa stamhnadh a chur ort fhein, faodaidh e bhith gu’n coinnich sinn a cheile fhathast.” “A mhnathan-uaisle, arsa mise, “cha ’n ’eil mi ’tuigsinn ciod a tha sibh a’ ciallachadh; an ainm an aigh innsibh dhomh gu soilleir mu’n chuis.” CAIB. XVIII. LABHAIR te dhiubh, agus thuirt i, “Is clann righrean sinn uile, agus tha sinn a’ caitheamh ar beatha direach mar a chunnaic tu; ach aig ceann gach bliadhna feumaidh sinn falbh a so, agus a bhith da fhichead latha air falbh air cheann gnothaich ro shonraichte a bhuineas dhuinn fhein, ach a dh’ fheumas sinn a chumail an cleith air gach neach eile. Agus an uair a theid an da fhichead latha seachad, tha sinn a’ tilleadh air ais do ’n chaisteal so. B’ e ’n de an latha mu dheireadh de ’n bhliadhna, agus feumaidh sinn a bhith falbh an diugh. Ach mu ’m falbh sinn tha sinn a’ fagail iuchraichean a’ chaisteil gu leir agadsa. Agus a chum an uine a chur seachad, faodaidh tusa a h-uile dorus a th’ anns a’ chaisteal fhosgladh, ach an dorus oir. Tha moran de nithean anabarrach iongantach anns a’ chaisteal, agus anns na garaidhean a tha mu’n cuairt air, agus ma ghabhas tu beachd orra, theid moran de ’n uine seachad gun fhios dhut. Ach air na chunnaic tu riamh na fosgail an dorus oir; ma dh’ fhosglas tu e, cha ’n fhaic thu sinne gu brath tuilleadh; agus a bharrachd air sin, cuiridh tu thu-fhein ann an croisean a bhios ’g ad leantuinn ri do bheo-shaoghail. Air an aobhar [TD 61] sin, thoir do cheart aire nach bi thu cho amaideach ’s gu’m bi thu ’g iarraidh fios fhaotainn air ni sam bith a th’ air a chumail am falach ort, agus nach buin duit. Tha sinn uile ann an dochas gu’n dean thu mar a tha sinn ag iarraidh ort, agus gu’m bi thu an so romhainn an uair a thilleas sinn an ceann da fhichead latha. Dh’ fhaodamaid iuchair an doruis oir a thoirt leinn; ach bhiodh e ’na thamailt do phrionnsa mar a tha thusa sinn a bhith fo amhrus nach rachadh agad air an dorus fhagail duinte gus an tilleamaid.” Chuir na briathan so a labhair a’ bhean-uasal dragh mor air m’ inntinn. Thuirt mi, gu’n robh mi anabarrach doilich a chionn gu’n robh iad a’ falbh. Thug mi moran taing dhaibh air son na deagh chomhairle a thug iad orm, agus rinn mi lan-chinnteach iad, gu’n leanainn i, agus gu’n deanainn moran a bharrachd air na dh’ iarr iad orm, a chum gu’m biodh de thoileachadh agam na bha romham dhe m’ bheatha a chur seachad ’nan cuideachd. An uair a dh’ fhag iad slan agam, agus sinn taobh air thaobh gle mhuladach, dh’ fhalbh iad, agus dh’ fhag iad mise ’nam onar anns a’ chaisteal. Bha iad cho taitneach ’s cho geanail ’s cho cridheil ’s cho ceolmhor fad na bliadhna ’s nach do smaoinich mi riamh air am beachd bu lugha ’ghabhail air na nithean iongantach a bha ri ’m faicinn, araon anns a’ chaisteal agus mu’n cuairt dha. Bha m’ aire air a togail gu buileach leis a h-uile doigh anns an robh iad, o latha gu latha, ’frithealadh agus a’ nochdadh caoimhneis dhomh, agus ged nach robh iad gus a bhith air falbh ach an da fhichead latha, bu bhliadhna leam gach latha gus an tilleadh iad. Thuirt mi rium fhein nach dichuimhichinn air chor sam bith a’ chomhairle a thug iad orm gun an dorus oir ’fhosgladh. Ach o ’n a bha cead agam a h-uile dorus eile ’fhosgladh, dh’ fhosgail mi a’ cheud dhorus. An uair a [TD 62] chaidh mi ’steach, thainig mi do gharadh mheasan, agus tha mi ’creidsinn nach robh a leithid air ur-uachdar an t-saoghail. Bha h-uile seorsa meas a bha cinntinn anns an talamh a’ fas ann, agus bha na craobhan gu leir air an suidheachadh ann an ordugh cho maiseach ’s a ghabhadh deanamh. Bha gach aon diubh a’ toirt toraidh am mach ann am pailteas. Cha ’n fhaca mi sealladh riamh cho briagha ris. Bha ’n garadh so air uisgeachadh mar nach fhaca mi garadh riamh roimhe no na dheigh. Bha sruthain uisge a’ ruithe a null ’s a’ nall air feadh a’ gharaidh air a leithid de dhoigh ’s gu’n robh gach craobh a’ fhaotainn na bha feumail dhi aig gach am de ’n uisge, agus air an aobhar sin, bha maise is toradh nach gabh innseadh air gach ni a bha ’fas ann. Bha cuid de na craobhan luchdaichte le toradh a bha lan abuich; bha cuid eile diubh a bha dluth air a bhith abuich; bha cuid fo bhlath, agus cuid fo dhuilleach urar, gorm. Is gann gu’m b’ urrainn domh fas sgith a bhith ’g amharc air a’ gharadh mhaiseach so; agus mur b’ e ’n toil a bh agam na dorsan eile ’fhosgladh, is docha gu’n robh mi air a’ chuid bu mho dhe ’n uine a chur seachad ann. An uair a chaidh mi ’mach as, agus a dhuin mi ’n dorus, dh’ fhosgail mi ’n dorus a b’ fhaisge dha. B’ e garadh dhithean a bha ’n so. Bha e pailt cho maiseach ’s cho ordail anns gach doigh ris a’ gharadh anns an robh mi roimhe sid. Bha gach seorsa dithean air an t-saoghal a’ fas ann. Bha rathaidean leithinn, boidheach, grinn, glan, air ’fheadh; agus eadar na rathaidean so bha na ditheanan a’ fas ann an leapannan dhe gach cumadh agus meudachd. Bha aireamh mhor de phoitean dhithean ann mar an ceudna anns an robh na ditheanan a b’ aille air am b’ urramn suil duine amharc; agus bha faileadh anabarrach cubhraidh air feadh a’ gharaidh gu leir. Bha [TD 63] e air ’uisgeachadh le sruthain bhoidheach de dh’ uisge fiorghlan mar a bha ’n garadh eile. An uair a chuir mi seachad greis mhath de ’n uine ’coiseachd air ’fheadh, agus a’ gabhail beachd air a liuthad ni maiseach a bha ri ’m faicinn ann, chaidh mi ’mach agus dhuin mi ’n dorus. Dh’ fhosgail mi an treas dorus, agus bha ’n sin taigh-eun a bha mor, farsuinn, anns an robh urlar de chloich mharmoir de na h-uile seorsa dath is cumaidh. Cha robh eun bu cheolmhoire ’s bu mhaisiche fo ’n ghrein nach robh ann. Bha cuid dhiubh ag itealaich a null ’s a nall air fheadh, agus bha cuid eile dhiubh ann an ceisean ro bhoidheach, far an robh biadh is deoch gu leor aca ann an soithichean a bha ro luachmhor. Ged a bha ’n taigh-eun so mor, bha e anabarrach grinn, glan air a chumail, mar a bha ’n da gharadh anns an robh mi. Ged a bhiodh ceud pearsa ’g an cumail glan, dh’ fhoghnadh dhaibh a bhith cho glan ’s a bha iad. Ach cha robh duine ri ’fhaicinn ann an aon seach aon dhiubh. An uair a chaidh a’ ghrian fodha dhuin mi ’n dorus agus chaidh mi do m’ sheomar fhein. Bha mi suidhichte gu’m fosglainn gach aon de na dorsan eile, ach an doras oir. An la-iar-na-mhaireach dh fhosgail mi ’n ceathramh dorus, agus ma chuir na chunnaic mi an latha roimhe sin ioghnadh orm, bu mho gu mor a bha dh’ioghnadh orm an uair a uair a chunnaic mi an sealladh a bha romham. An uair a chaidh mi ’steach air an dorus so, thainig mi do chuirt a bh’ air a cuartachadh le aitreimh mhoir, mhaisich air nach ’eil e ’n comas dhomh mion-chunntais a thabhairt. Air an aitreimh so bha da fhichead dorus, agus gach aon diubh fosgailte. Anns a’ cheud sheomar bha torran de neamhnaidean a bha anabarrach mor; anns an dara seomar bha daoimein, agus iomadh seorsa de chlachan luachmhor eile; agus gu sgeula goirid a dheanamh dheth, [TD 64] bha na seomraichean eile lan de dh’ or ’s de dh’ airgiod, agus dhe gach ni eile a’s luachmhoire a th’ anns a chruthachadh gu leir. Chuir na chunnaic mi a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s gu ’n dubhairt mi, “Ged a bhiodh ionmhas righrean na talmhainn cruinn, cothrom, comhladh ann an aon aite, cha bhiodh uiread so ann. Nach bu mhi an ceann fortanach an uair a fhuair mi coir air an ionmhas so maille ris na h-uiread de mhnathan-uaisle a tha cho maiseach ’s cho tlachdmhor anns gach doigh.” Ged a dh’ innsinn dhiubh mu gach ni eile a chunnaic mi, cha deanainn ach bhur sarachadh ’n ’ur foighidinn. Ach faodaidh mi radh, gu’n do chuir mi seachad naoi latha deug ar fhichead a’ fosgladh nan dorsan, agus a’ gabhail beachd air na nithean iongantach a bha mi ’faicinn. Ach gus a sin cha d’ fhosgail mi an dorus oir. Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha—an latha air an robh na mnathan-uaisle gu tighinn, agus nan do chuir mi stamhnadh orm fhein mar bu choir dhomh a dheanamh, bu mhi an diugh an duine bu shona a th’ air an t-saoghal; ach is mi nis duine cho mi-fhortanach ’s a tha beo. Bha iad gu tighinn an uine ghoirid, agus bu choir do ’n toileachadh a bha orm ri ’m faicinn a bhith air mo chumail o dheanamh an ni a thoirmisg iad dhomh a dheanamh. Ach leis an amadeis a fhuair greim orm, rinn mi ni air son am bi aithreachas orm gu latha mo bhais. Chaidh mi an thun doruis, agus an deigh dhomh an iuchair a chur anns an toll, bha mi greis eadar dha chomhairle ciod a dheanainn. Uair a theirinn rium fhein gu’m bu choir dhomh an dorus fhosgladh, agus da uair a theirinn nach bu choir. Ach bha mi air mo bhrosnachadh le droch spiorad eiginn, a chum easumhlachd a thoirt do ’n aithne a thugadh dhomh, agus anns an droch uair, chuir mi car ’s an iuchair ’s dh’ fhosgail mi an dorus. An uair [TD 65] a bha mi ’ga fhosgladh, bha mi ’g radh rium fhein nach beanainn do ni sam bith a chithinn ann, agus mar sin, nach fhaigheadh neach sam bith am mach gu brath gu’n d’ fhosgail mi e. Cha bu luaithe a dh’ fhosgail mi e na dh’ fhairich mi faileadh laidir a’ tighinn m’ am shroin; agus ged nach robh am faileadh mi-thaitneach, gidheadh thug e orm fannachadh. An uine ghoirid chaidh mi na b’ fhearr; ach an aite rabhadh a ghabhail, agus an dorus a dhunadh mar bu choir dhomh, is ann a ghabh mi steach. Thainig mi gu stabull mor anns an robh moran de choinnlean ceireach ann an coinnlearan oir, agus moran chruisgeanan laiste anns an robh oladh deadh-fhailidh. Ged a bha iomadh ni iongantach anns an stabull so, b’ e an ni a tharruinn m’ aire gu sonraichte, steud-each dubh cho mor ’s cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. An uair a chaidh mi na bu dluithe dha gus beachd ceart a ghabhail air, thug mi ’n aire gu’n robh diallaid oir air, agus srian oir ’na cheann. Bha siol eorna air a dheadh ghlanadh, agus uisge fiorghlan air a bheulaobh anns an fhrasaich. Choisich mi ceum na bu dluithe dha, agus rug mi air an t-srein, agus thug mi ’mach as an stabull e, a chum gu’m faicinn na b’ fhearr e ri solus an latha. Chaidh mi air a mhuinn, ach cha ghluaiseadh e a ionaid nam bonn. Bhuail mi buille mhath air le slataig a fhuair mi anns an stabull. Cha bu luaithe a bhuail mi e na thoisich e ri sitrich cho uamhasach ’s gu’n do chuir e ’n cridhe air chrith agam leis an eagal. Ged nach tug mi ’n aire dhaibh an toiseach, bha da sgeith air. Sgaoil e iad, agus dh’ fhalbh e air iteig do ’n iarmailt agus mise air a mhuin. Mu ’n do tharr mi sealtainn ugam no uam bha e cho ard ’s gu’n do chaill mi sealladh air gach ni a bh’ air an talamh. Ghreimich mi ris cho math ’s a b’ urrainn domh; oir bha eagal orm a h-uile tiotadh gu’n tuitinn bhar a mhuin. An ceann greise thainig e nuas thun na [TD 66] talmhainn aig beulaobh caisteil mhoir, agus mu’n gann a bhuail a chasan an talamh, thilg e bhara mhuin mi, agus, le buille dhe ’earball, chuir e asam an t-suil dheas. An uair a chaill mi mo shuil, thoisich mi ri cuimhneachadh air na thuirt an deichnear dhaoine oga rium. Anns an am dh’ fhalbh an t-each as mo shealladh. Dh’ eirich mi, agus mi fo thrioblaid mhoir air son a’ mhi-fhortain a thug mi orm fhein. Bha mi greis a’ coiseachd air beulaobh a’ chaisteil, mo lamh air mo shuil ’s mi ’fulang craidh mhoir. Mu dheireadh chaidh mi steach do ’n chaisteal, agus an uair a chunnaic mi an seomar, agus na deich langsaidean mu’n cuairt ris a’ bhalla, dh’ aithnich mi gur ann a bha mi ’s an aite ’s an robh mi mu ’n d’ thug an roc leatha mi. Cha robh an deichnear dhaoin’ oga ’staigh anns an am, ach thainig iad a steach ann an uine ghoirid. Cha do ghabh iad ioghnadh sam bith an uair a chunnaic iad mi, no idir a chionn gu’n robh mi air leith shuil. Thuirt iad, “Cha ’n ’eil sinn ag radh gu’m bheil sinn toilichte d’ fhaicinn anns an t-suidheachadh anns am bheil thu; ach cha ’n ’eil coire sam bith ri’ chur oirnn air son a’ mhi-fhortain a thainig ort.” “Cha bhiodh e ceart dhomhsa,” arsa mise, “coire sam bith a chur oirbh; oir thainig am mi-fhortan so orm le mo choire fhein, agus cha b’ ann le coire neach sam bith eile.” “Ma tha e ’na aobhar toileachaidh do dhaoine air an d’ thainig mi-fhortan companaich a bhith aca, dh’ fhaodamaid toileachadh a bhith oirnn. Thachair a’ cheart ni dhuinne ’s a thachair dhutsa. Bhlais sinn air gach seorsa solais fad bliadhna iomalan; agus dh’ fhaodadh a’ cheart sholas a bhith againn gus an latha ’n diugh, mur b’ e gu’n d’ fhosgail sinn an dorus oir am feadh ’s a bha na bana-phrionnsachan air falbh. Cha robh thusa na bu ghlice [TD 67] na sinne, agus rinneadh a’ cheart pheanas ort ’s a rinneadh oirnne. Bhiomaid toilichte gu leor leigeadh leat fuireach comhladh rinn, a chum gu’n deanadh tu am peanas a tha sinn fhein a’ deanamh, ged nach ’eil fhios againn cia fhad a leanas sinn air; ach dh’ innis sinn mar tha dhut an t-aobhar air son nach fhaod thu fuireach maille ruinn. Air an aobhar sin, bi falbh agus rach gu ruige Bagdad far an tachair an righ riut. Nochdaidh esan caoimhneas dhut.” Dh’ innis iad dhomh an rathad a ghabhainn, agus dhealaich mi riutha. CAIB. XIX. AIR mo thurus an so, thug mi dhiom an fheusag, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair. Thainig mi air turus fada, agus feasgar an de thainig mi gu geata ’bhaile, far an do thachair an dithis chaladairean so eile rium, a bha ’nan coigrich mar a bha mi fhein. Bha ioghnadh gu leor oirnn ’nar triuir a chionn gu’n robh an t-suil dheas a dhith air gach fear dhinn; ach cha robh uine againn gus ar n-eachdraidh gu leir innseadh do chach a cheile. O ’n a bha an t-anamoch ann, thainig sinn a steach do ’n bhaile feuch am faigheamaid aite anns an cuireamaid seachad an oidhche. An uair a thainig sinn thun an taighe so, ghuidh sinn oirbh cuid na h-oidhche a thoirt dhuinn, agus rinn sibh sin gu caoimhneil. An uair a chuir an treas caladair crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt Sobaide risan, agus ris an da chaladair eile:—“Tha bhur saorsa agaibh; faodaidh sibh a bhith falbh an taobh a thogras sibh.” Ach fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “A bhaintighearna, tha sinn a’ guidhe oirbh, ma ’s e bhur toil e, leigeadh leinn fuireach gus an cluinn sinn eachdraidh nan [TD 68] daoine nach do bhruidhinn fhathast.” Thug i dhaibh cead fuireach. Thionndaidh i ris an righ ’s ri ’dhithis chompanach, agus thuirt i riutha, “Feumaidh sibhse ’nis cunntas a thoirt seachad mu ’r deidhinn fhein.” Fhreagair an t-ard-chomhairleach, agus thuirt e, “A bhaintighearna, a chum deanamh mar a tha sibh ag iarraidh oirnn, foghnaidh dhuinn na dh’ innis sinn aig an dorus mu’n d’ thainig sinn a steach, aithris dhuibh. Is triuir mharsantan sinn a thainig a Mosul gu ruige Bagdad a reic bathair. Bha sinn fhein agus marsantan eile aig dinnear an diugh ann an taigh aon de mharsantan a’ bhaile; agus an deis do ’n dinnear a bhith seachad, bha sinn ri ol ’s ri ceol ’s ri dannsa. Bha leithid de ghleadhraich ’s de shraidhlich fa near dhuinn ’s gu’n d’thainig maoir g’ ar glacadh. Ghlac iad cuid dhe na bha comhladh ruinn, ach fhuair sinne as gun fhios dhaibh. Agus o ’n a bha moran dhe ’n oidhche air a dhol seachad, dhuineadh dorus an taigh-osda anns an robh sinn a’ fuireach, agus cha robh fhios againn co ’n taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. An uair a bha sinn a’ dol seachad an t-sraid, chuala sinn an cridhealas a bh’ agaibh an so, agus smaoinich sinn gu’m bu choir dhuinn bualadh aig an dorus. Sin na bheil againn ri radh mu ’r timchioll fhein.” An uair a chuala Sobaide so, bha i mar gu’m biodh i eadar dha chomhairle ciod a theireadh i; oir bha amhrus aice nach robh na dh’ innseadh dhi uile fior. Ach ghuidh na caladairean oirre, gu’n tugadh i a’ cheart fhabhar do ’n triuir mharsantan ’s a thug i dhaibh fhein. Dh’ aontaich i gu’n deanadh i so. “Tha mi toirt mathanais dhuibh uile,” ars’ ise, “air chumhnanta gu’n grad fhalbh sibh am mach as an taigh, agus gu’n gabh sibh bhur rogha rathad.” Labhair Sobaide na briathran so le guth a bha ’nochdadh, gu’m feumadh iad uile ’bhith umhail dhi; agus gun [TD 69] aon fhacal a radh, dh’ fhalbh an righ ’s an t-ard-chomhairleach ’s an t-ard-chaillteanach ’s an triuir chaladairean agus am portair am mach; oir bha iad air an clisgeadh roimh ’n t-seachdnar sheirbhiseach a bha ’nan seasamh ’s an t-seomar le claidhnean ruisgte ’nan lamhan. An uair a chaidh iad am mach as an taigh ’s a dhuineadh an dorus ’nan deigh, bhruidhinn an righ ris na caladairean (ach cha d’ innis e dhaibh co e), agus thuirt e, “A dhaoine uaisle, a tha air ur-thighinn do ’n bhaile, co ’n taobh a tha ’n ’ur beachd a dhol, o nach ’eil an latha fhathast air soilleireach?” “Cha ’n ’eil fhios againn air an t-saoghal co ’n taobh air an toir sinn ar n-aghaidh,” ars’ iadsan. “Leanaibh sinne, agus bheir sinn a cunnnart sibh,” ars’ an righ. Thuirt an righ ann an cogar ris an ard-chomhairleach, “Thoir leat na daoine so comhladh riut fhein, agus anns a’ mhadainn am maireach thoir ’n am lathair-sa iad. Bheir mi fa near gu’n sgriobhar an eachdraidh aca ann an leabhraichean-eachdraidh na rioghachd; oir tha i anabarrach iongantach.” Thug an t-ard-chomhairleach leis an triuir chaladairean do ’n taigh aige fhein, chaidh am portair dhachaidh, agus thill an righ agus an t-ard-chaillteanach do ’n luchairt. Ged a chaidh an righ do ’n leabaidh, cha b’ urrainn e norradh cadail a dheanamh, oir bha ’inntinn gu buileach troimh a cheile leis na nithean iongantach a chunnaic ’s a chual’ e. Ach os cionn gach ni bha toil mhor aige fios fhaotainn co i Sobaide, agus c’ar son a bha i gabhail air an da ghallaidh dhuibh, agus c’ar son a bha na h-athailtean air brollach Aimini. Am feadh a bha e gu dluth a’ smaointean air na nithean so, thoisich an latha ri soilleireachadh. Dh’ eirich e agus chaidh e do thalla-na-comhairle far am bu ghnath leis fhein ’s le maithean na rioghachd a bhith coinneachadh a cheile. [TD 70] Gun ’a bheag a dhail, thainig an t-ard-chomhairleach a steach, agus thug e urram do ’n righ mar bu ghnath leis. “Ard-chomhairlich,” ars’ an righ, “o nach ’eil moran gnothaich againn ri dheanamh aig an am so, bi grad fhalbh agus thoir an so na mnathan-uaisle agus na caladairean; oir cha bhi fois aig m’ inntinn gus an dean mi mion-rannsachadh mu thimchioll gach ni a chunnaic ’s a chuala sinn an raoir. Greas ort, cuimhnich gu’m bi fadachd orm gus an till thu.” O ’n a bha fhios aig an ard-chomhairleach gu’n robh an righ cas, crosda, ghreas e air, agus chaidh e far an robh na mnathan-uaisle. Dh’ innis e dhaibh gu ciuin, siobhalta, gu’n d’ fhuair e ordugh o’ n righ an toirt ’na lathair, ach cha do leig e air gu’n robh fhios aige air ni sam bith dhe na thachair ’s an taigh aca an oidhche roimh sid. Chuir an triuir mhnathan-uaisle iad fhein ann an ordugh cho math ’s cho grinn ’s a ghabhadh deanamh, agus dh’ fhalbh iad comhladh ris an ard-chomhairleach. An uair a bha e ’dol seachad air an taighe aige fhein, thug e air an triuir chaladairean falbh comhladh ris. Aig a’ cheart am dh’ innis e dhaibh gu’m faca iad an righ an oidhche roimhe sid, ged nach robh fhios aca air. Bha ’n righ anabarrach toilichte an uair a chunnaic e cho ealamh ’s a thug an ard-chomhairleach na caladairean agus na mnathan-uaisle ’na lathair. A chum ordugh agus cleachdadh na duthchadh a chumail suas, chuireadh an triuir mhnathan-uaisle ann an seomar dluth air an righ, ach cha ’n fhaiceadh duine iad, agus cha mho a chitheadh iadsan duine dhe na bha cruinn comhladh ris an righ. Ach bha na caladairean ’na lathair, agus bu mhath a b’ aithne dhaibh mar a ghluaiseadh iad iad-fhein an lathair an righ. Thionndaidh an righ ’aghaidh air an aite anns an robh na mnathan-uaisle am falach, agus thuirt e:—“A [TD 71] mhnathan-uaisle, an uair a dh’ innseas mi dhuibh gu’n do chuir mi mi-fhein as aithne an raoir, agus gu’n deachaidh mi do ’n taigh agaibh ann an riochd marsanta, tha fhios agam gu’n gabh sibh eagal, agus gu’n saoil sibh gu’n d’ thug sibh oilbheum dhomh. Is docha gu’n saoil sibh gu’n do chuir mi fios oirbh a chum dioghaltas a dheanamh oirbh. Ach na biodh eagal sam bith oirbh. Faodaidh sibh a bhith cinnteach gu’n do dhichuimhnich mi gach ni a chaidh seachad, agus gu’m bheil mi gle riaraichte leis mar a ghiulain sibh sibh-fhein. B’ fhearr leam gu’n robh mnathan-uaisle Bhagdad gu leir cho glic, cho iomchuidh ’s cho faicleach ’s a bha sibh. Cha dichuimhnich mi gu brath cho foighnideach ’s a bha sibh ruinn an uair a bha sinne cho mi-iomchuidh ’nar gluasad. An uair ud bu mhise aon de mharsantan Mhosuil, ach a nis is mi Haroun Alrashid, an seachdamh glun o theaghlach ainmeil Abbais. Chuir mi fios oirbh, a chum gu’m faighinn am mach, co sibh, agus a chum gu’m faighinn am mach, c’ar son a ghabh sibh air an da ghallaidh dhuibh, agus a ghuil sibh maille riutha. Agus tha toil agam fios fhaotainn mar an ceudna, c’ar son a tha athailtean air brollach te dhibh.” Ged a labhair an righ na briathran so cho follaiseach ’s gu’n cluinneadh na mnathan-uaisle e, gidheadh, a chum cleachdadh an aite ’chumail suas, chaidh an t-ard-chomhairleach gu dorus an t-seomair anns an robh na mnathan-uaisle, agus dh’ aithris e na briathran so facal air an fhacal dhaibh. Fhreagair Sobaide, agus thuirt i, “A righ chumhachdaich, tha na bheil mi ’dol a dh’ innseadh dhuibh ’na naigheachd cho iongantach ’s a chuala duine riamh. Is peathraichean dhomhsa an da ghalladh dhubh—clann m’ athar ’s mo mhathar; agus innsidh mi mar a thainig iad gu bhith air an cruth-atharrachadh. Is e leith-pheathr- [TD 72] aichean a th’ anns an dithis mhnathan-uaisle a tha comhladh rium an so—clann a bh’ aig m’ athair o mhnaoi eile. Is e Aimini, is ainm do ’n te air am bheil na h-athailtean, is e ainm na te eile, Saifi, agus ’s e m’ ainm fhein, Sobaide. An deigh bas m’ athar roinneadh gach ni a dh’ fhag e, agus thugadh uiread is uiread do gach aon de ’n teaghlach. An uair a fhuair an dithis pheathraichean so a tha comhladh rium an cuid fhein, chaidh iad a dh’ fhuireach comhladh ri am mathair. Bha mo dhithis pheathraichean eile agus mise comhladh ri ar mathair fhein, oir bha i beo aig an am. An uair a dh’ eug mo mhathair, dh’ fhag i da mhile bonn oir agamsa ’s aig gach te dhe m’ dhithis pheathraichean. Beagan uine na dheigh so, phos mo dhithis pheathraichean. Is mise a b’ oige dhe ’n triuir. Beagan uine na dheigh sin, reic am fear a bha posda ri mo phiuthair bu shinne a chuid de ’n t-saoghal, agus dh’ fhalbh e fhein agus mo phiuthar gu ruige Africa, far an do chaith esan a chuid airgid fhein, agus airgiod mo pheathar, ann am beatha struidheasaich. Agus an uair a thainig e gu bochdainn, thug e litir-dhealachaidh do m’ phiuthair, agus chuir e air falbh i. Thainig i do ’n bhaile so, agus bha i ann an suidheachadh cho bochd ’s gu’n cuireadh i truas air an neach cho cruaidh cridhe ’s a th’ anns an t-saoghal. Chuir i truas mor ormsa, agus ghabh mi rithe cho caoimhneil ’s a b’ urrainn a bhith; agus an uair a dh’ fheoraich mi mu thimchioll mar a thainig i gu bochdainn, dh’ innis i dhomh ’s i gle thursach, gu’n robh a fear-posda anabarrach olc dhi mu’n do chuir e air falbh i. An uair a chuala mi mu’n trioblaid ’s mu’n chruaidh-fhortan troimh ’n deachaidh i, ghuil mi gu goirt. Chuir mi uimpe pairt dhe m’ aodaich fhein, agus thuirt mi rithe, “A phiuthar, tha thusa na ’s sinne na mise, agus tha meas agam ort mar gu’m bu tu mo mhathair. O ’n a dh’ fhalbh thu shoirbh- [TD 73] ich Dia leamsa gu math. Faodaidh tu ’bhith cinnteach gu’m bi do chuid agad dhe gach ni a bhuineas dhomhsa a cheart cho math ’s ged bu leat fhein e.” Bha sinn gle dhoigheil, comhfhurtail ann an cuideachd a cheile fad iomadh mios. Bha sinn gu math tric a’ bruidhinn mu ar piuthair eile, agus bha ioghnadh oirnn nach robh sinn a’ cluinntinn guth no iomradh m’ a deidhinn. Ach latha dhe na laithean thainig i, agus bha i cheart cho truagh coltas ri mo phiuthair bu shinne. Bha am fear a bha phosda rithe anabarrach olc dhi, agus b’ eiginn di ’fhagail. Ghabh mise rithe cho caoimhneil ’s cho carantach ’s a ghabh mi ri mo phiuthair bu shinne. Thuirt mi rithe gu’m faigheadh i na dh’ fhoghnadh dhi uamsa fad uile laithean a beatha. CAIB. XX. AN ceann uine na dheigh sin, thuirt mo dhithis pheathraichean rium gu’n robh iad a’ faicinn gu’n robh e tuilleadh is trom ormsa bhith ’g an cumail suas le cheile, agus air an aobhar sin, gu’n robh iad a smaointean gu’m b’ fhearr dhaibh posadh a rithist. Thuirt mi riutha, ma ’s ann air eagal gu’m biodh e trom ormsa an cumail suas a bha iad a’ smaointean posadh, nach ruigeadh iad a leas a bhith smaointean air a leithid, agus gu’m b’ e am beatha fuireach comhladh rium; oir bha de shaoibhreas agam na chumadh suas sinn ’nar triuir cho comhfhurtail ’s a dh’ fhoghnadh dhuinn, a reir ar suidheachaidh. “Ach,” arsa mise, “tha amhrus laidir agam gu’m bheil fior thoil agaibh posadh a rithist; agus ma tha, gu dearbh tha e ’cur moran ioghnaidh orm. An deigh an droch cheartas a fhuair sibh fhad ’s a bha sibh posda, am bheil e comasach gu’m bheil de mhisnich agaibh na phosas an dara [TD 74] uair? Tha fhios agaibh gur ainneamh a gheibhear fear-posda a tha na fhior dheadh dhuine. Gabhaibh mo chomhairle, agus fanaibh comhladh rium fhein.” Ach a dh’ aindeoin gach impidh a bha mi cur orra, cha tugadh iad geill dhomh. Chuir iad rompa ’muigh ’s am ach gu’m posadh iad, agus an uine gun bhith fada rinn iad e. Mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna an deis dhaibh posadh, thainig iad air a rithist, agus dh’ iarr iad mile mathanas orm a chionn nach do gabh iad mo chomhairle. “Is tu ar piuthar a’s oige,” ars’ iadsan, “agus tha thu moran na ’s glice na sinne; ach ma ghabhas tu steach sinn aon uair eile, eadhon mar shearbhantan, tha sinn a’ gealltainn nach dean sinn olc ort gu brath tuilleadh.” Thuirt mi, “Mo pheathraichean gaolach, cha d’ thainig atharrachadh sam bith air m’ inntinn-sa dha ’r taobh o ’n a dhealaich sinn ri ’cheile mu dheireadh; thigibh air ais, agus ghabhaibh bhur cuid dhe gach ni a bhuineas dhomhsa.” An uair a thuirt mi so rug mi orra ’nam ghairdeanan agus phog mi iad. Agus bha sinn na dheigh sin a’ fuireach comhladh mar a bha sinn roimhe. An uair a bha sinn mar so fad bliadhna comhladh, agus sinn cho ciuin ’s cho caoimhneil ri ’cheile ’s a b’ urrainn peathraichean a bhith; agus an uair a chunnaic mi gu’n robh mo storas, le beannachd Dhe, air fas gu math mor, chuir mi romham gun gabhainn turus-cuain do na h-Innsibh a chum malairt a dheanamh. Chaidh mi fhein ’s mo dhithis pheathraichean gu ruige Balsora, agus cheannaich mi long, agus an uair a luchdaich mi i leis a’ bhathar a thug mi a Bagdad, sheol sinn. Bha soirbheas gle fhabharach againn fad fichead latha. An ceann na h-uine sin thog sinn fearann. B’ e beinn anabarrach ard a bh’ ann, agus chunnaic sinn gu’n robh baile-mor ris a’ chladach aig bonn na beinne. O ’n a thachair gu’n robh [TD 75] smuid mhath air a’ ghaoith, cha robh sinn fada ’ruighinn na h-acarsaid. Cho luath ’s a dh’ acraich sinn, chaidh mi gu tir gun fhuireach ri m’ pheathraichean. Ghabh mi direach gu geata ’bhaile, agus chunnaic mi moran dhaoine mar gu’m biodh iad a’ dion a’ bhaile. Bha cuid dhiubh ’nan seasamh, agus cuid ’nan suidhe, agus airm aca ’nan lamhan. Bha leithid de chruth uamhsach air an aghaidhean ’s gu’n do ghabh mi eagal mor. Ach thug mi ’n aire nach robh iad a’ gluasad no carachadh, agus ghabh mi misneach gus a dhol air m’ aghart. An uair a chaidh mi na bu dluithe dhaibh chunnaic mi gu’n robh iad uile air an tionndadh gu cloich. Chaidh mi steach do ’n bhaile, agus choisich mi troimh chaochladh shraidean, agus bha h-uile duine a bha mi ’faicinn air an tionndadh gu cloich. Bha ’n aireamh bu mho dhe na buithean duinte, agus far an robh iad fosgailte, bha na daoine a bh’ annta ’nan cloich. Thug mi suil os mo chionn ris na similearan, agus cha robh ceo a’ dol am mach a aon seach aon dhiubh. Thug so orm a smaointean gu’n robh muinntir a’ bhaile gu leir air an tionndadh gu cloich. Choisich mi air m’ aghaidh troimh ’n bhaile gus an d’ rainig mi cuirt mhor cheithir-chearnach a bh’ ann an teis-meadhain a’ bhaile. Sheall mi mu’n cuairt orm, agus chunnaic mi geata mor, briagha air a chomhdach le or, agus e fosgailte. An uair a chaidh mi dluth dha, thug mi ’n aire gu’n robh cuairteanan de shioda ro riomhach sgaoilte an taobh a staigh de ’n gheata. Mar an ceudna bha cruisgean laiste an crochadh os cionn a’ gheata. An uair a bheachdaich mi gu math air an aitreimh mhoir so, thuig mi gu’m b’ e luchairt an righ a bh’ ann; agus o’ n a bha ioghnadh mor orm nach do thachair duine beo rium anns a’ bhaile, chaidh mi steach air a’ gheata, ann an dochas gu’n tachradh neach eiginn rium ris am bruidhninn. An uair a chaidh mi steach cha robh duine beo ri [TD 76] ’fhaicinn. Bha ’n luchd-gleidhidh ’nan seasamh do ’n cuid armaibh; ach bha iad uile ’nan cloich. Choisich mi gu taigh anabarrach briagha bha fa m’ chomhair, agus dh’ aithnich mi gu’m b’ e taigh-comhnuidh na ban-righ a bh’ ann. Agus an uair a chaidh mi steach, cha robh duine beo ri ’fhaicinn anns an t-seomar. Ghabh mi air aghart o sheomar gu seomar gus an d’ rainig mi seomar a bha anabarrach briagha. Chunnaic mi a’ bhan-righ ’na suidhe ann, agus crun oir air a ceann, agus griogagan daoimein m’ a h-amhaich, agus a h-uile te dhiubh a cheart cho mor ri cno. Sheas mi car uine far an robh mi, agus bheachdaich mi le tlachd ’s le ioghnadh air gach ni a bh’ anns an t-seomar. Cha ’n faca mi riamh seomar anns an robh innsreadh a leith cho briagha ris. Ged a thoisichinn ri innseadh gach ni a chunnaic mi anns an t-seomar, cha b’ urrainn domh cainnt a chur air. An uair a chaidh mi ’mach as an t-seomar so, choisich mi troimh chaochladh sheomhraichean eile anns an robh innsreadh anabarrach maiseach. Mu dheireadh rainig mi seomar mor, farsuinn, anns an robh cathair oir a bha gle ard, agus i air a deanamh maiseach le iomadh seorsa de neamhnaidean, agus de chlachan luachmhor. Ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi an lainnir a bha ’tighinn o mhullach na cathrach. O ’n a bha toil agam fios fhaotainn co as a bha ’n lainnir a’ tighinn, chaidh mi suas air na ceuman staidhreach a bha ’direadh thun na cathrach, agus chunnaic mi daoimean a bha cho mor ri ugh ostrich air mullach na cathrach. Cha robh ’n smal no ’n sgaineadh bu lugha air, agus bha ’n lainnir a bh’ as cho boillsgeil ’s gu’n robh i an impis mo fhradharc a thoirt uam. Bha coinnlear oir le coinneil cheireach laiste ann, air gach taobh dhe ’n chathair; ach cha robh mi ’tuigsinn [TD 77] ciod am feum a bh’ orra, o nach robh duine beo ri fhaicinn anns an taigh. Ach air a shon sin, cha b’ urrainn domh gun bhith ’smaointean gu’n robh neach eiginn anns an taigh a chuireadh feum orra. O ’n a bha na dorsan uile fosgailte, chaidh mi troimh iomadh seomar eile anns an robh moran ionmhais, agus chuir gach ni a chunnaic mi a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s gun deachaidh an uine seachad gun fhios dhomh. Ma dheireadh thainig an oidhche. Thug mi ionnsuidh air tilleadh an taobh a thainig mi; ach cha b’ urrainn domh amas air an rathad. An uair a chunnaic mi nach rachadh agam air faighinn am mach as an taigh, chuir mi romham gu’n cuirinn an oidhche seachad anns an t-seomar anns an robh na coinnlean laiste. Chaidh mi steach ann, agus leig mi mi-fhein ’nam shineadh air langsaid. Ach ged nach robh creutair beo ri ’fhaicinn anns an taigh, bha beagan eagail orm. Mu mheadhain oidhche, chuala mi guth duine mar gu’m biodh e ’leughadh a’ Chorain. Thug so toileachadh mor dhomh, agus ghrad dh’ eirich mi as an aite ’s an robh mi ’nam shineadh, agus thug mi leam fear dhe na coinnlearan a bh’ anns an t-seomar, agus chaidh mi ’dh’ ionnsuidh an t-seomair anns an robh mi ’cluinntinn a’ ghutha. Sheas mi aig an dorus, agus leig mi as an coinnlear air an urlar. Sheall mi steach air uinneig, agus thuig mi gur e seomar-aoraidh a bh’ ann. Bha da chruisgean agus da choinneil laiste ann. Bha duine og, dreachar ann, agus e ’leughadh a’ Chorain. Thug so toileachadh mor dhomh. Ghabh mi ioghnadh a chionn gu’m b’ e an aon duine beo a bh’ anns a’ bhaile, agus an sluagh eile gu leir air an tionndadh gu cloich. O ’n a bha ’n dorus leith-fhosgailte chaidh mi steach, agus thog mi mo ghuth, agus rinn mi urnuigh mar so: “Moladh gu robh dhut a Dhe, a thug dhuinn an turus [TD 78] fabharrach, agus ma ’s e do thoil e, deonaich dhuinn do dhion agus do ghleidheadh gus an till sinn air ar n-ais do ar duthaich fhein. Eisd rium, O Thighearna, agus thoir dhomh freagairt.” Thionndaidh an duine og ’aghaidh rium, agus thuirt e, “Mo dheadh bhean-uasal, tha mi ’guidhe ort, innis dhomh, co thu, agus ciod a chuir do ’n bhaile fhasail so thu? Ma ni thu so, innsidh mise dhut, co mi-fhein, ciod a thachair dhomh, c’ar son a tha sluagh a’ bhaile air an cur anns an staid anns am bheil thu ’g am faicinn, agus c’ar son a tha mise ’nam onar beo, slan.” Ann am beagan fhacal dh’ innis mi dha, co as a thainig mi, c’ar son a thainig mi do ’n bhaile, agus gur e fichead latha ’thug an long air an rathad. An sin dh’ iarr mi air innseadh dhomh, ciod a b’ aobhar gu’n robh sluagh a’ bhaile gu leir, ach e fhein ’na onar, air an tionndadh gu cloich; ni a chuir mor-ioghnadh orm. “Mo dheadh bhean-uasal,” ars’ esan, “dean foighidin car tiotaidh.” An uair a thuirt e so, dhuin e an Coran, agus phaisg e seachad gu curamach ann an aite tasgaidh e. Fhad ’s a bha e ’deanamh so bha mi ’gabhail beachd air, agus thug mi an aire gu’n robh e ’na dhuine robh thlachdmhor ri ’fhaicinn, agus thuit mi ann an gaol air. Thug e orm suidhe laimh ris; agus mu’n do thoisich e ri labhairt rium, cha b’ urrainn mi gun a radh ris, ann an guth a bha ’nochdadh gu’n robh tlachd agam dheth, “A dhuin’ uasail tlachdmhoir, do m’ bheil gradh aig m’ anam, is gann a tha ’dh’ fhoighidin agam na dh’ fheitheas ri fios fhaotainn mu thimchioll nan nithean iongantach a chunnaic mi o ’n a thainig mi do ’n bhaile so; tha toil mhor agam fios fhaotainn mu ’n chuis gun dail sam bith. Innis dhomh gun dail ciod e ’mhiorbhuil leis am bheil thu fhein beo, an uair a tha gach neach eile marbh.” [TD 79] “A bhaintighearna,” ars’ esan, “tha mi ’g aithneachadh gu’m bheil eolas agad air an aon Dia bheo agus fhior; oir chuala mi thu ’g urnuigh ris. Innsidh mi dhut nithean iongantach mu thimchioll a mhorachd agus a chumhachd. B’ e am baile so ceanna-bhaile na rioghachd aig m’ athair. Bha m’ athair agus sluagh na rioghachd gu leir ’nan draoidhean, agus bha iad a’ deanamh aoraidh do ’n teine, agus do Nardoun, an righ a bha thairis air na famhairean a rinn ar-a-mach an aghaidh Dhe. Ged a bha m’ athair ’s mo mhathair ’nan luchd iodhol-aoraidh, bha mise air m’ fhoghlum ’nam oige le aon aig an robh eolas air an Dia fhior. Dh’ ionnsaich mi an Coran air mo theangaidh, agus thuig mi gach mineachadh a chaidh a sgriobhadh air. Air an doigh so fhuair mi eolas air an aon Dia bheo agus fhior, an uair a bha mi gle og. Agus an uair a thainig mi gu aois, thuig mi gu lan mhath, nach ’eil Dia eile ann ach e, agus gur e gliocas agus dleasdanas gach duine aoradh is umhlachd a thoirt dha.” CAIB. XXI. O CHIONN corr is tri bliadhna chualas anns a’ bhaile so gu leir guth eagallach, mar ghuth tairneinich, ag radh:—‘A luchd-aiteachaidh, sguiribh a thoirt aoradh do Nardoun agus do ’n teine, agus deanaibh aoradh do ’n Dia sin a mhain a tha comasach air trocair a nochdadh.’ “Chualas an guth so bliadhna an deigh bliadhna o ’n uair sin, ach cha do chuir neach sam bith suim ann; agus air an latha mu dheireadh de ’n bhliadhna, aig ceithir uairean ’s a’ mhadainn, bha muinntir a’ bhaile gu leir air an tionndadh gu cloich ann am priobadh na sul. Faodaidh tu fhaicinn gu’m bheil m’ athair ’s mo mhathair anns an aon suidheachadh ri sluagh eile a’ bhaile. [TD 80] “Is mise an t-aon neach air nach d’ thainig am breitheanas trom so, agus tha mi riamh o ’n uair ud a’ deanamh seirbhis do Dhia le barrachd durachd na bha mi roimhe. Tha mi ’creidsinn gur e Dia a chuir an so thu, a bhean-uasal ionmhuinn, a chum comhfhurtachd a thoirt dhomh, agus tha mi ’toirt moran taing dha; oir feumaidh mi aideachadh nach ’eil e cordadh rium a bhith an so ’nam onar.” Thug na briathran so orm gu’n robh barrachd graidh agam do ’n duine og, mhaiseach so. Thuirt mi ris, “A Phrionnsa, cha ’n ’eil teagamh nach e am Freasdal a stiuir an rathad so mi a chum gu’n tugainn dhutsa cothrom air falbh as an aite thruagh so. An uair a chi thu ’n long air an d’ thainig mi a Bagdad, faodaidh tu ’thuigsinn gu’m bheil tomhas de mheas aig sluagh a’ bhaile sin orm. Tha cuid mhath de shaoibhreas agam, agus tha mi ’gealltainn dhut gu’m faigh thu gach ni a bhios feumail gus an toir an righ dhut an inbhe agus an t-urram air am bheil thu airidh. Cho luath ’s a chluinneas e gu’n d’ rainig tu Bagdad, bheir e dhut gach ni a bhios a dhith ort. Cha ’n ’eil e coltach dhut fuireach na ’s fhaide ann am baile anns am bi gach ni a chi thu ag urachadh do bhroin. Is leamsa an long, agus faodaidh tusa am feum a thogras tu a dheanamh dhith.” Ghabh e an tairgse a thug mi dha, agus chuir sinn seachad na bha romhainn de ’n oidhche a’ bruidhinn air gach ni a bhuineadh do ar turus dhachaidh. Cho luath ’s a shoilleirich an latha chaidh sinn air bord na luinge. Bha mo pheathraichean, an sgiobair, agus gach aon eile a bh’ air bord fo mhor-iomaguin mu m’ thimchioll a chionn nach do thill mi an latha roimhe sin. An uair a thug mi mo pheathraichean an lathair a’ phrionnsa, dh’ innis mi dhaibh an t-aobhar a chum air tir mi, agus dh’ innis mi dhaibh mar a thionndadh sluagh a’ bhaile gu cloich. [TD 81] Thug na seoladairean seachdain air cur na bha de bhathar anns an luing gu tir agus air a luchdachadh leis na bha de dh’ ionmhas ann an luchairt a’ phrionnsa. Lionadh i cho lan le or ’s le airgiod ’s le seudan ’s nach robh aite innte air son an innsridh a bh’ anns an luchairt. Lionadh an t-innsreadh fhein ceithir longan; ach o nach robh doigh againn air a thoirt leinn, b’ eiginn duinn ’fhagail. An uair a fhuair sinn biadh is deoch gu leor air bord, sheol sinn, agus bha soirbheas againn cho fabharach ’s a dh’ iarramaid. Chuir am prionnsa agus mi-fhein ’s mo pheathraichean greis dhe ’n uine seachad gle thoilichte maille ri ’cheile. Ach, mo thruaighe! cha b’ fhada gus an d’ thainig caochladh air cuisean. Bha eud orrasan an uair a chunnaic iad cho cairdeil ’s a bha mise ’s am prionnsa ri ’cheile, agus le spiorad gamhlais dh’ fheoraich iad dhiom air latha araidh, ciod a dheanamaid ris an uair ruigeamaid Bagdad. Thuig mi ’s a’ mhionaid gu’n do chuir iad a’ cheisd so orm a chum gu’m faigheadh iad am mach an robh tlachd agam dheth. Air an aobhar sin thuirt mi riutha mar mhagadh, gu’n robh duil agam a phosadh. An uair a thuirt mi so, thionndaidh mi ris a’ phrionnsa, agus thuirt mi, “A Phrionnsa, cho luath ’s a ruigeas sinn Bagdad tha mi suidhichte gu’n tairg mi mi-fhein dhut gus a bhith agad mar searbhanta a chum seirbhis sam bith a dh’ iarras tu orm a dheanamh dhut, agus tha mi gu h-umhail a’ ghuidhe gu’n gabh thu mi.” Fhreagair am prionnsa agus thuirt e, “A bhaintighearna, cha ’n ’eil fhios agam co dhiubh tha thu mar mhagadh no ga rireadh; ach air mo shonsa dheth, tha mi ’g aideachadh gu follaiseach an lathair do pheathraichean gu’m bheil mi ’gabhail na tairgseadh le m’ uile dheoin, cha ’n ann gus thu bhith agam mar mo shearbhanta ach [TD 82] mar mo bhean; agus tha mi ’g innseadh dhut gu’m bi thu fo riaghladh do thoil fhein anns gach ni.” An uair a chuala mo pheathraichean so, thainig gruaim air an aghaidhean, agus na dheigh sin bha e furasda gu leor dhomh ’aithneachadh gu’n robh iad a’ fas gle choma dhiom. An uair a bha sinn mu astar latha o Bhalsora, am baile-puirt anns an robh duil againn an luchd a chur am mach, gabh mo pheathraichean fath orm fhein ’s air a’ phrionnsa, agus thilg iad leis a’ chliathaich sinn. Bhathadh esan; ach shnamh mise gu tir. Bha ’n oidhche cho dorcha ’s nach robh agam ach fuireach anns a’ chladach gus an do shoilleirich an latha. An uair a thainig an latha chunnaic mi gu’n robh mi air eilean fasail a bha mu fhichead mile o Bhalsora. Thiormaich mi m’ aodach ris a’ ghrein. Choisich mi beagan astair o ’n chladach, agus thachair craobhan rium air an robh measan gu leor. Thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras ged a thachradh dhomh a bhith uine mhor air an eilean. ’Na dheigh sin leig mi mi-fhein ’nam shineadh ann an aite dubharach, agus cha robh mi fada ’nam shineadh an uair a chunnaic mi nathair sgiathach a bha anabarrach mor agus fada ’tighinn an rathad a bha mi, agus i ’g a toinneamh fhein a null ’s a nall ’s a teangadh ’muigh. Dh’ eirich mi ’nam sheasamh, agus thug mi ’n aire gu’n robh nathair eile a bha anabarrach mor ’g a leantuinn, agus greim aice air earball oirre gus a h-itheadh. Bha truas agam ris an nathair sgiathaich, agus an aite teicheadh air falbh, is ann a ghabh mi de mhisnich na thog clach a thachair a bhith dluth dhomh, agus thilg mi le m’ uile neart air an nathair mhoir i. Gu fortanach dh’ amais dhomh a bualadh anns a’ cheann, agus mharbh mi i. An uair a fhuair an nathair sgiathach fuasgladh, dh’ fhalbh i air iteig as mo shealladh. Leig mi mi-fhein ’nam shineadh far an robh agus chaidil mi. [TD 83] Fada no goirid gu’n robh mi nam chadal, an uair a dhuisg mi, ciod a b’ iongantaiche leam na boirionnach a bhith na suidhe lamh rium. Bha coltas aoidheil, caoimhneil air a gnuis. Bha da ghalladh dhubh aice air lomhainn. Dh’ fheoraich mi dhi, co i. “Is mise an nathair sgiathach,” ars’ ise, “agus thug thusa an diugh fhein saorsa dhomh o mo dhearg namhaid. Cha robh fhios agam cia mar a nochdainn mo thaingealachd dhut air son na rinn thu de mhath dhomh; ach air dhomh fìos a bhith agam air cho cealgach ’s a bhuin do pheathraichean riut, smaoinich mi gu’n nochdainn mo chaoimhneas dhut le trom-dhioghaltas a dheanamh orra le cheile. Cha bu luaithe a thug thusa saorsa dhomh na ghairm mi mo chompanaich maille ri ’cheile—oir is mnathan-sithe sinn—agus chuir sinn an t-ionmhas a bh’ anns an luing gu sabhailte anns na taighean-ionmhais a th’ agad ann am Bagdad, anns ’na dheigh sin chuir sinn an long do ghrunnd a’ chuain. Is e an da ghalladh dhubh so do dhithis pheathraichean. Chuir mise anns a’ chruth so iad. Ach feumar tuilleadh dioghaltais a dheanamh orra; agus feumaidh tusa deanamh riutha mar a dh’ aithneas mise dhut.” An uair a labhair a’ bhean-sithe na briathran so, chuir i fo ’h-achlais mi, agus chuir i an da ghalladh fo ’n achlais eile, agus thug i gu ruige Bagdad sinn. Fhuair mi gach ni a bh’ air bord ’s an luing air a chur gu sabhailte anns na taighean-ionmhais mar a thuirt i rium. Mu ’n do dhealaich i rium thug i dhomh an da ghalladh, agus thuirt i rium, “Mur ’eil toil agad a bhith air do chur anns a’ chruth cheudna ris an da ghallaidh so, ni thu riutha mar a tha mise ag ordachadh dhut. Ann an ainm an fhir a tha ’riaghladh na mara, bheir thu do gach te dhiubh ceud buille le slait a h-uile oidhche mar pheanas air son an uilc a rinn iad ort fhein agus air a phrionnsa ’bhath iad.” [TD 84] B’ eiginn domh gealtainn gu’n deanainn mar a dh’ aithn i dhomh. Riamh o ’n uair ud tha mi ’gabhail orra ’h-uile oidhche, ach cha ’n ann le m’ thoil. An uair a ghabhas mi orra, tha mi ’sileadh nan deur leis an truas a th’ agam riutha. An aite coire a chur orm is ann bu choir truas a bhith rium. Ma tha ni sam bith eile ann air am bu mhath leibh fios fhaotainn, gheibh sibh fios air mu’n cuir Aimini crioch air a h-eachdraidh fhein. Chuir na dh’ innis Sobaide dha ioghnadh mor air an righ. An sin ghuidh e air Aimini gu’n innseadh i dha c’ar son a bha na h-athailtean air a h-uchd. An uair a thoisich Aimini ri innseadh a h-eachdraidh fhein, thuirt i:—“Le ’r cead, a righ, cha ruig mi leas teannadh ri aithris na dh’ innis mo phiuthar mar tha mu m’ thimchioll. Foghnaidh dhomh a radh, gu’n do ghabh mo mhathair taigh dhi fhein an deigh bas m’ athar. Thug i mise mar mhnaoi do dhuine uasal beairteach a bh’ anns a’ bhaile, agus fhuair e mar thochradh an dileab a dh’ fhag m’ athair agam. Mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna an deigh dhomh posadh, bha mi ’nam bhantraich, agus bu leam gach ni a bhuineadh do ’n fhear a bha posda rium. B’ fhiach mo mhaoin gu leir mu cheud mile bonn oir. Bha pailteas ann an riadh an airgid so gus mo chumail suas ann an suidheachadh cho math ’s a dh’ iarrainn. An ceann leith bhliadhna an deigh bas m’ fhir thug mi ordugh do ’n taillear deich deiseachan a dheanamh dhomh dhe ’n aodach cho riomhach ’s a bh’ aige. Chosg gach te dhe na deiseachan mile bonn oir. An uair a bha mi bliadhna ’nam bhantraich, thoisich mi ri caitheamh nan deiseachan riomhach so. Air latha araidh, agus gun a staigh ach mi fhein ’s na searbhantan ’s mi gle thrang aig obair an taighe, dh’ innseadh dhomh gu’n robh bean-uasal aig an dorus aig an [TD 85] robh toil bruidhinn rium. Thug mi ordugh a toirt a steach. Bha i na leith-seana bhoirionnach. Chuir i failte orm, agus thuirt i rium ’s i air a gluinean air mo bheulaobh, “A bhean-uasal ionmhuinn, tha mi ’n dochas gu’n gabh thu mo leithsgeul air son dragh a chur ort; agus is e an t-earbsa ’th’ agam nad chaoimhneas a thug orm tighinn far am bheil thu. Tha mi ’nam bhantraich, agus tha ’n aon nighean a th’ agam a’ dol a phosadh an diugh. Tha sinn ’nar coigrich, agus cha ’n ’eil luchd-eolais sam bith againn anns a’ bhaile. Tha so a’ cur dragh mor orm, oir cha bu mhath leinn gu’n saoileadh cairdean lionmhor an fhir a tha mo nighean a’ dol a phosadh gu’m bheil sinn uile gu leir ’nar coigrich, agus gun mheas anns a’ bhaile. Air an aobhar sin nan cuireadh tusa a dh’ urram oirnn gu’n rachadh tu thun na bainnse, chuireadh tu fo chomain mhoir sinn. Bhiodh mnathan-uaisle na duthchadh a’ smaointean nach ’eil sinn cho bochd ’s cho suarach ’s a tha sinn, na ’n rachadh tu comhladh ruinn. Ach mur teid thusa comhladh ruinn, bidh sinn air ar maslachadh, oir cha ’n ’eil fhios againn co eile a theid sinn a dh’ iarraidh.” CAIB. XXII. GHABH mi truas ris a’ bhoirionnach bhochd an uair a chunnaic mi i a’ sileadh nan deur, agus thuirt mi, “Mo dheadh bhoirionnach, na bi ’cur dragh’ ort fhein; tha mise deonach am fabhar a tha thu ’g iarraidh orm a thoirt dhut. Innis dhomh c’aite am bheil taigh na bainnse, agus theid mi ann cho luath ’s a chuireas mi umam aodach freagarrach.” An uair a chual’ am boirionnach gu’n robh mi gus a dhol thun na bainnse, bha aoibhneas anabarrach oirre, agus mu’n do tharr mi an aire ’thoirt ciod a bha i ’dol a [TD 86] dheanamh, thug i pog dh’ am chasan. “A bhean-uasal charanach, bheir Dia paigheadh dhutsa air son a’ chaoimhneis a tha thu nochdadh dhomhsa, agus bheir e aoibhneas dhut mar a tha thu fhein a’ toirt do mhuinntir eile. Tha e tuilleadh is trath dhut falbh thun na bainnse. Foghnaidh dhut falbh an uair a thig mi fhein ’g ad iarraidh feasgar. Mo bheannachd gu’n robh agad gus an till mi g’ ad iarraidh.” Cho luath ’s a dh’ fhalbh i chuir mi umam an deise ’b’ fhearr a bh’ agam, agus chuir mi bann-sheud mu m’ bhraighe agus mu chaol mo dha dhuirn, agus failbheagan oir ’nam chluasan, agus fainneachan daoimein air mo mheoirean; oir bha m’ inntinn ag innseadh dhomh gu’n robh ni eiginn gu tachairt dhomh. Ann am beul na h-oidhche thainig an t-seana bhean g’ am iarraidh, agus coltas gle aoidheil air a h-aghaidh. Phog i mo lamhan agus thuirt i, “Mo bhaintighearna ghaolach, tha luchd-daimh an fhir a tha ’dol a phosadh mo nighinn, eadhon ard mnathan-uaisle ’bhaile, a nis air cruinneachadh; faodaidh tu tighinn uair sam bith a thogras tu, tha mise deas a’ feitheamh ort.” Gun dail sam bith dh’ fhalbh sinn. Bha ise air thoiseach, agus bha mise agus mo mhnathan-coimhideachd ’g a leantuinn. Stad sinn ann an sraid ghlain, fharsuinn, aig geata mor maiseach. Os cionn a’ gheata bha lainntear laiste. Le solus an lainntir leugh mi an sgriobhadh so, a bh’ ann an litrichean oir:—“So aite-comhnuidh na sithe agus an t-sonais mhaireannaich.” Bhuail an t-seana bhean aig a gheata, agus ghrad dh’ fhosgladh e. Thugadh a steach do thalla mor, maiseach mi far an robh baintighearna og a bha anabarrach maiseach. Chuir i failte orm gu caoimhneil, agus thug i orm suidhe air cathair a bha cho briagha ’s gu’m foghnadh i do ’n righ fhein. [TD 87] “A bhaintighearna,” ars’ ise, “thugadh cuireadh dhut gu tighinn an so gu banais; agus tha dochas agam gu’n tachair am posadh air dhoigh nach do smaoinich thu. Tha brathair agamsa, agus tha e air dhuine og cho maiseach s a th’ anns an t-saoghal. Thuit e ann an trom ghaol ortsa, oir chuala e gu’n robh thu anabarrach maiseach, agus mur pos thusa e cha bhi duine ’s an t-saoghal cho mi-shona ris. Tha mi ’n dochas gu’n gabh thu truas ris. Tha fhios aige air a h-uile mathas a th annadsa, agus theid mi ’n urras dhut gu’m bheil e airidh gu’m posadh tu e. Tha mise ’na ainmsan a’ guidhe gu durachdach ort gu’m pos thu e.” An deigh bas m’ fhir, cha do smaoinich mi riamh gu’m bu choir dhomh posadh an dara uair; ach cha robh e ’n comas dhomh an tairgse so a dhiultadh. Dh’ fhan mi samhach agus thainig m’ fhuil ’nam aodann. Bhuail a’ bhaintighearn’ og a basan ri cheile, agus ghrad dh’ fhosgladh dorus closaid a bha ’n taobh an t-seomair, agus thainig duine og eireachdail, air an robh fior choltas na h-uaisle ’mach as a’ chlosaid, agus shuidh e ri m’ thaobh. An uair a chunnaic mi e thuirt mi rium fhein, ma bha e cho maiseach ’na nadar ’s a bha e ’na choltas, gu’n robh mi gle fhortanach. An uair a thug mi greis air seanachas ris, thuig mi gu’n robh e moran na bu tlachdmhoire na dh’ innis a phiuthar dhomh. An uair a chunnaic a phiuthar gu’n robh sinn toilichte le cheile, bhuail i a basan ri ’cheile an dara turus, agus thainig sgriobhaiche steach do ’n t-semar. Gun dail sam bith sgriobh e cumhnantan a’ phosaidh, agus chuir ceathrar an aimnean ris mar fhianuisean. B’ e an t-aon ni a thug am fear a phos mi orm a ghealltainn dha, nach leiginn ris m’ aghaidh a dh’ fhear sam bith, agus nach mo na sin a bhruidhninn ri fear sam bith ach e fhein. Agus thuirt e rium nan deanainn mar a bha e ’g iarraidh orm, nach biodh aobhar agam gu brath a bhith ’gearain air. [TD 88] So mar a phosadh sinn, agus an aite mise bhith air banais dhaoine eile is ann a bha daoine eile aig mo bhanais fhein. An uair a bha sinn mu mhios posda dh’ iarr mi air cead a thoirt dhomh a dhol a cheannach aodaichean a bha dhith orm, agus thug e dhomh cead. Thug mi leam an t-seana bhean comhladh rium, agus dithis dhe na mnathan-coimhideachd. An uair a rainig sinn an t-sraid air am bheil na marsantan a’ fuireach, thuirt an t-seana bhean rium. “A bhanamhaighstir, o ’n is e sioda a tha dhith ort, is ann a theid mi leat far am bheil marsanta og air am bheil mi eolach. Tha e ’reic a h-uile seorsa sioda. Caomhnaidh e dhut a bhith ’falbh o bhuthaidh gu buthaidh. Tha mi deimhin gu’m bheil iomadh seorsa aige nach ’eil aig fear eile.” Ghabh mi gu toileach a comhairle, agus chaidh sinn do ’n bhuthaidh aig a’ mharsanta og. Shuidh mi agus dh’ iarr mi air an t-seana mhnaoi bruidhinn ris a’ mharsanta air mo shon, agus a radh ris e ’shealltainn domh an t-sioda ’b’ fhearr a bh’ aige. Thuirt i rium mi bhruidhinn air mo shon fhein. Ach dh’ innis mi dhi gu’n do gheall mi an oidhche a phos mi nach bruidhninn ri fear sam bith ach ri m’ fhear-posda fhein, agus thuirt mi rithe gu’n robh e mar fhiachan orm cumail ri mo ghealladh. Sheall am marsanta dhomh caochladh sheorsachan sioda. Chord fear dhiubh rium gle mhath, agus dh’ iarr mi air an t-seana mhnaoi pris an t-sioda fhaighneachd dheth. Thuirt e rithe, “Cha reic mi an sioda air son airgid no oir, ach bheir mi dhi an nasgaidh e ma leigeas i dhomh pog a thoirt dhi air a leithcheann.” Thuirt mi ris an t-seana mhnaoi a radh ris gu’n robh e gle mhi-mhodhail an uair a dh’ iarradh e leithid a ni. Ach an aite bruidhinn ris mar a dh’ iarr mi oirre, thuirt i rium, “Cha ’n ’eil am marsanta ’g iarraidh moran ort; cha [TD 89] ruig thu leas bruidhinn ris; foghnaidh dhut do leithcheann a chumail ris, agus bidh an ghnothach seachad ann an tiotadh.” O ’n a bha ’n sioda cordadh rium cho math bha mi cho gorach ’s gu’n do ghabh mi a comhairle. Sheas an t-seana bhean agus na mnathan-coimhideachd mu’n cuairt orm a chum nach fhaiceadh duine sinn, agus thog mi am brat bhar m’ aghaidh; ach an aite pog a thoirt do m’ leithcheann, is ann a thug am marsanta lan ’fhiaclan as. Thug an cradh, agus an clisgeadh a ghabh mi orm tuiteam ann an neul; agus bha mi cho fad’ ann ’s gu’n d’ fhuair am marsanta uine gus a’ bhuth a dhunadh agus e fhein a thoirt as. An uair a thainig mi as an neul, bha mo leithcheann lan fala. Chomhdaich an t-seana bhean mo cheann is m’ aghaidh a chum nach fhaiceadh na daoine a bha falbh na sraide mar a bha mi. Bha i fo dhragh inntinn gle mhor air son mar a thachair dhomh, agus dh’ fheuch i cho math ’s a b’ urrainn di ri misneach a thoirt dhomh. “Mo bhanamhaighstir ghaolach,” ars’ ise, “tha mi ’g iarraidh mathanais ort, oir is mise bu choireach gu’n d’ thainig am mi-fhortan so ’na do rathad an uair a thug mi thu far an robh am marsanta so, a chionn gu’n robh e ’na fhear-duthchadh dhomh. Ach cha do smaoinich mi riamh gu’n deanadh e gniomh cho eucorach ri sid. Na bi fo bhron. Greasamaid dhachaidh; agus bheir mise dhut cungaidh a leighiseas thu ann an tri latha, agus cha bhi athailte ri ’fhaicinn ort. Bha mi cho lag ’s gur gann a choisichinn. Mu dheireadh fhuair mi dhachaidh, agus chaidh mi anns an dara neul an uair a bha mi ’dol do ’n t-seomar. Ach thug an t-seana bhean dhomh cungaidh a dhuisg as an neul mi ann an uine ghoirid, agus chaidh mi do ’n leabaidh. Thainig fear an taighe dhachaidh ’s an oidhche, agus an uair a chunnaic e mo cheann air a cheangal suas, dh’ [TD 90] fheoraich e ciod a bh’ orm. Thuirt mi ris gu’n robh mo cheann goirt, agus gu’n robh mi ’n dochas nach cuireadh e an corr cheisdean orm. Ach rug e air coinnil agus sheall e air mo cheann, agus chunnaic e gu’n robh mo leithcheann air a ghearradh. “Cia mar a thachair so dhut?” ars’ esan. Ged nach robh mi gle chiontach, cha robh de mhisnich agam na dh’ innseadh an fhirinn dha. A bharrachd air sin, bha mi ’smaointean nach robh e iomchuidh dhomh aideachadh dha mar a thachair a’ chuis. Air an aobhar sin thuirt mi, “An uair a bha mi ’dol a cheannach an t-sioda, thachair portair rium air an robh eallach fiodha, agus anns an dol seachad orm ’s mi ’coiseachd troimh shraid chaoil, bhuail fear dhe na maidean orm anns an leithcheann; ach cha do ghortaicheadh mor mi idir.” An uair a chuala e so bha e ann am feirg anabarraich, agus bhoidich e gu’n deanadh e dioghatas air a h-uile portair a bh’ anns a’ bhaile. “Bheir mi ordugh am maireach do fhreiceadain a’ bhaile a h-uile fear dhe na beistean a ghlacadh agus an crochadh.” O ’n a bha eagal orm gu’n rachadh moran de dhaoine neo-chiontach a chur gu bas air mo shaillibh, thuirt mi ris, “A thighearna, bhithinn gle dhoilich eucoir cho mor a dheanamh air daoine neo-chiontach. Tha mi ’guidhe ort nach dean thu mar a tha thu ’g radh. Cha tugainn mathanas dhomh fhein gu brath nam bithinn ’nam mhathair-aobhair air a leithid a dheanamh.” “Innis an fhirinn dhomh,” ars’ esan, “cia mar a lotadh thu.” Thuirt mi ris, gu’n do lotadh mi le coire fir a bha reic sguaban air an t-sraid. “Ma tha sin mar sin, ars’ esan, “bheir mise ordugh gu math moch am maireach do ’n ard-chomhairleach a h-uile fear a tha reic sguaban a ghrad chur gu bas.” [TD 91] “An ainm Dhe, tha mi ’guidhe ort,” arsa mise, “gu’n toir thu mathanas dhaibh, oir tha iad neo-chiontach.” “Cia mar sin,” ars’ esan, “ciod a tha mi gus a chreidsinn! Innis dhomh mar a thachair, oir tha mi lan shuidhichte gu’m faigh mi ’mach an fhirinn o do bheul fhein.” “Thainig tuaineal ’nam cheann, agus thuit mi; sin mar a thachair,” arsa mise. An uair a chual’ e so, chaill e ’fhoighidin buileach glan. Thuirt e, “Bha mi tuilleadh is fada ’g eisdeachd ri do chuid breug.” Bhuail e a dha bhois ri ’cheile, agus ann an tiotadh thainig triuir sheirbhiseach a steach do ’n t-seomar, “Thugaibh am mach as an leabaidh i, agus cuiribh air meadhain an urlair i,” ars’ esan. Rinn iad mar a dh’ iarradh orra; rug fear dhiubh air mo cheann, agus am fear eile air mo chasan, agus chuir iad air an urlar mi. Dh’ iarr e air an treas fear claidheamh a thoirt g’ a ionnsuidh. An uair a thug e steach an claidheamh thuirt e ris, “Dean da leith oirre, agus tilg do ’n amhainn i. Is e so am peanas a ni mi air a’ mhuinntir do ’n robh tlachd agam, agus nach cum ri ’n gealladh.” An uair a chunnaic e nach robh an seirbhiseach toileach umhlachd a thoirt dha thuirt e, “C’ar son nach ’eil thu ’g a bualadh? Co a tha ’g ad chumail air ais? Co ris a tha thu ’feitheamh?” CAIB. XXIII. “A BHAINTIGHEARNA, tha thu dluth air crioch do bheatha; smaoinich am bheil ni sam bith agad ri thoirt seachad mu ’m faigh thu bas,” ars’ an seirbhiseach a fhuair ordugh mo mharbhadh. [TD 92] ’Dh’ iarr mi cead facal no dha a radh, agus fhuair mi sin. Thog mi mo cheann, agus sheall mi le mor-thogradh ri m’ fhear-posda, agus thuirt mi, “Ochan,” nach bochd an suidheachadh anns am bheil mi! Am feum mi am bas fhulang ’s mi cho og?” Cha b’ urrainn mi ’n corr a radh, oir bhrist mo ghal orm. Cha d’ thainig taiseachadh sam bith air m’ fhear-posda, ach, an aite sin is ann a bha e ’gam shior mhaslachadh; agus cha deanadh e feum sam bith dhomh aon fhacal a radh ris. Thoisich mi mu dheireadh ri guidhe gu durachdach air gu’n leigeadh e leam mo beatha; ach cha tugadh e geill sam bith dhomh. Bha e sior iarraidh air an t-seirbhiseach mo mharbhadh. Aig a’ cheart mhionaid anns an robh mi gu bhith air mo chur gu bas, thainig an t-seana bhean a steach, agus thuit i air a gluinean aig a chasan. “Mo mhac, ars’ ise, “is mise bu bhanaltrum dhut o ’n a rugadh thu, agus is mi a dh’ araich thu, air mo sgath fhein leig a beatha leatha. Cuimhnich gu’n cuirear gu bas iadsan a chuir muinntir eile gu bas. Ma bheir thu air falbh a beatha cuiridh tu smal air do chliu, agus caillidh tu meas an t-sluaigh gu leir. Labhair i ris ann am briathran cho druighteach ’s gu’n do bhuadhaich i air mu dheireadh. “Air do shon fhein, ma ta,” ars’ esan, “leigidh mi leatha ’bhith beo; ach bidh comharran oirre leis am bi cuimhne aice air an olc a rinn i.” An uair a thuirt e so, dh’ ordaich e do dh’ fhear dhe na seirbhisich iomadh buille a thoirt dhomh le slait anns a’ bhrollach. Bha gach buille ’g am lot gu trom, gus mu dheireadh an do thuit mi ann an neul. ’Na dheigh sin thugadh air falbh mi, agus dh’ fhagadh ann an taigh eile mi, far an robh seana bhoirionnach a’ toirt an aire dhomh. Bha mi ceithir miosan gun charachadh bhar na leapadh. Mu dheireadh chaidh mi am feabhas. Sin mar a thainig na lotan gu bhith air mo bhrollach. [TD 93] Cho luath ’s a bha mi comasach air coiseachd, chuir mi romham gu’n rachainn do ’n taigh a bh’ agam mu’n do phos mi an dara uair, ach cha robh e ri fhaotainn. An uair a bha ’m fear a bha posd’ agam ann an teas na feirge, dh’ ordaich e an taigh agam a leagadh, agus gun chlach fhagail air an larach. Tha mi ’creidsinn nach cualas a leithid so de ghniomh eucorach riamh roimhe; ach cha ’n ’eil fhios agam c’aite am bheil am fear a rinn an t-olc orm, agus cha ’n ’eil mi cinnteach gu’n aithnichinn e, agus is docha nach rachadh agam air aicheamhal sam bith a thoirt dheth air son an uilc a rinn e orm. Air do ’n chuis a bhith mar so, cha bu dana leamsa mo ghearain a dheanamh ri luchd-riaghlaidh a’ bhaile. O ’n a bha mi lom, falamh, aonaranach, chaidh mi far an robh mo phiuthar, Sobaide, agus dh’ innis mi dhi an cruaidh fhortan troimh ’n deachaidh mi. Ghabh i rium le mor chaoimhneas, agus chomhairlich i dhomh giulan gu foighidneach le m’ staid. “So doigh an t-saoghail,” ars’ ise; “bheir e uainn ar cuid, no ar cairdean, no luchd ar graidh, agus mar is trice bheir e uainn iad so uile a dh’ aon bheum.” Mar dhearbhadh gu’n robh so fìor dh’ innis i dhomh mar a chuir an t-eud a bh’ aig mo pheathraichean rithe am bas ann an rathad a’ phrionnsa; agus dh’ innis i dhomh mar an ceudna mar a thachair dhaibh a bhith air an cur ann an riochd da ghallaidh. Mu dheireadh an uair a nochd i dhomh iomadh comharradh air a mor chaoimhneas, thug i Safi, mo phiuthar a’s oige an lathair, agus dh’ innis i dhomh gu’n robh i ’fuireach comhladh rithe o ’n a dh’ eug a mathair. Thug sinn taing do Dhia do bhrigh gu’n robh sinn maille ri cheile aon uair eile, agus runaich sinn gu’n caitheamaid ar beatha maille ri ’cheile. Tha sinn o chionn iomadh bliadhna ’fuireach comhladh. O ’n is e mo [TD 94] dhleasdanas-sa gach ni fhaotainn air am bi feum aig an taigh, tha mi ’dol g’ a cheannach. An uair a chaidh mi ’mach an de a cheannach nithean a bha dhith oirnn, thug mi air a’ phortair an toirt dhachaidh. An uair a chunnaic sinn gu’n robh e ’na dheadh fhear-cuideachd, leig sinn leis fuireach maille ruinn gu spors is feala-dha a dheanamh dhuinn. Anamoch feasgar thainig an triuir chaladairean, agus ghuidh iad oirnn cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. Dh’ aontaich sinn gu’n deanamaid sin air chumhnantan araidh ris an d’ aontaich iad. Agus an deigh dhaibh biadh a ghabhail maille ruinn, thug iad greis air cluich air innealan-ciuil. Aig an am chuala sinn bualadh aig a’ gheata. Co ’bh’ ann ach triuir mharsantan a thainig a Mosul, daoine air an robh coltas meineil, iomchuidh. Dh’ iarr iadsan cead tighinn a steach mar an ceudna, agus thug sinn cead dhaibh an deigh dhuinn na ceart chumhnantan a chur orra ’s a chuir sinn air na caladairean; ach cha do chum a h-aon aca ris na cumhnantan air an d’ fhuair iad a steach, agus ged a rachadh againn le ceartas air aicheamhal a thoirt dhiubh, leig sinn leotha falbh an uair a dh’ innis iad dhuinn eachdraidh am beatha. Cha d’ rinn sinn de pheanas orra ach nach leigeamaid leotha fuireach na b’ fhaide maille ruinn anns an taigh. Chord na naigheachdan so anabarrach math ris an righ, agus dh’ aidich e gu’n do chuir iad ioghnadh mor air. Smaoinich e gu ’m bu choir dha urram a chur air an triuir chaladairean, o ’n a bha iad ’nan cloinn righrean, agus mar an ceudna air an triuir mhnathan-uaisle. Thuirt e ri Sobaide, “A bhaintighearna, an d’ innis a’ bhean-shithe a chuir do pheathraichean fo gheasan, c’aite am bheil i ’fuireach? No, an do gheall i gu’n togadh i na geasan bhar do pheathraichean?” “Le ’r cead, a righ,” arsa Sobaide, “dhichuimhnich mi innseadh dhuibh gu’n d’ thug i dhomh bad gruaige, agus [TD 95] gu’n dubhairt i rium gu’m biodh feum agam air a cuideachadh latha eiginn; agus nan loisginn a’ ghruag gu’n tigeadh i ’s a’ mhionaid far am bithinn.” “A bhaintighearna,” ars’ an righ, “c’aite am bheil a’ ghruag?” Fhreagair Sobaide, “Bha mi ’g a gleidheadh gu curamach riamh o ’n a fhuair mi i; tha i agam an so.” An uair a thuirt i so, thug i as a pocaid a’ cheis anns an robh ’ghruag. “Loisgeamaid i gun dail; oir tha toil agam a’ bhean-shithe fhaicinn. Cha b’ urrainnear a gairm an am bu fhreagarraiche,” ars’ an righ. Thilgeadh a’ ghruag ’s an teine ’s a’ mhionaid. Thoisich an luchairt ri dhol air chrith, agus ann an tiotadh bha ’bhean-shithe ’na seasamh an lathair an righ, agus i ann an eideadh anabarrach eireachdail. “Le ’r cead, a righ, tha sibh a’ faicinn gu’m bheil mise deas gu ni sam bith a dheanamh a dh’ iarras sibh orm,” ars’ ise. “Rinn a’ bhean uasal a ghairm mi ’n ’ur ainmse obair mhath dhomh. Mar chomharradh air mo thaingealachd dhi rinn mi dioghaltas air a dithis pheathraichean air son cho eucorach ’s a bha iad; ach ma ’s e bhur toilse e, cuiridh mi iad anns a’ chruth ’s an robh iad roimhe.” “A bhean-shithe mhaiseach,” ars’ an righ, “cha b’ urrainn dut taitneas bu mho a thoirt dhomh na sin; dean riutha mar a tha thu ’g radh, agus feuchaidh mise ri caoimhneas a nochdadh dhaibh a bheir orra gu’n dichuimhnich iad ann an tomhas gach peanas a dh’ fhuiling iad. A bharrachd air sin, tha fabhar eile agam ri iarraidh ort, agus is e sin, gu’n innis thu dhomh ainm an duine a bha phosda ri Aimini, agus a bhuin cho cruaidh-chridheach rithe. O ’n a tha mi ’creidsinn gu’m bheil fhios agad air moran nithean, tha fhios agam gur aithne dhut an duine so. Innis dhomh, co e; oir rinn e da [TD 96] ghniomh ro eucorach oirre; agus tha ioghnadh orm gu’m b’ urrainn neach sam bith a leithid de dhroch ghniomharan a dheanamh anns a’ bhaile gun fhios dhomh.” “A chum comain a chur oirbh,” ars’ a’ bhean-shithe, “cuiridh mi an da ghalladh anns a’ chruth ’s an robh iad roimhe, agus leighisidh mi na h-athailteaon a th’ air brollach na baintighearna air dhoigh ’s nach aithnichear gu’n robh iad riamh ann; agus innsidh mi dhuibh ainm an fhir a chuir ann iad.” Chuir an righ a dh’ iarraidh an da ghalladh do thaigh Shobaide. An uair a thainig iad, dh’ iarr a’ bhean-shithe glaine uisge ’thoirt g’ a h-ionnsuidh. An uair a labhair i briathran os cionn an uisge nach do thuig neach sam bith, thilg i cuid dheth air Aimini, agus a’ chuid eile air an da ghallaidh. Ann an tiotadh cha robh athailte ri ’fhaicinn air brollach Aimini, agus bha ’n da ghalladh ’nam boirionnaich cho briagha ’s a chunnaic duine riamh.” An sin thuirt a’ bhean-shithe ris an righ, “Innsidh mi nis dhuibh co am fear a bha posda ri Aimini, agus a rinn an droch dhiol oirre. Tha e gle chairdeach dhuibh fhein; oir is e bhur mac a’s sinne. Thuit e ann an trom ghaol oirre an uair a chuala e gu’n robh i ’na boirionnach anabarrach maiseach, agus leis na caran thug e oirre gu’n do phos i e. Tha beagan dhe ’leithsgeul ri ghabhail ged a rinn e droch dhiol oirre; oir cha robh i cho faicleach oirre fhein ’s bu choir dhi; agus bheireadh na leithsgeulan a thug i dha air a chreidsinn gu’n robh i na bu chiontaiche na bha i. Cha ’n ’eil an corr agam ri radh.” An uair a thuirt i so chaidh i as an t-sealladh. Bha ’n righ anabarrach toilichte a chionn gu’n deachaidh aige air math a dheanamh do ’n triuir bhoirionnach, agus chuir e roimhe gu’n cuireadh e gach cuis ceart gun dail sam bith. Chuir e fios air a mhac, agus thuirt e ris, gu’n d’ innseadh dha gu’n do phos e Aimini gun fhios dha, [TD 97] agus gu’n do throm-lot e i air son fior bheagan aobhair. An uair a thuig a mhac gu’n robh fhios aig ’athair air gach ni a rinn e, ghabh e Aimini g’ a ionnsuidh mar a bhean laghail, phosda, gun dail sam bith. An sin dh’ aidich an righ gu’n robh e suidhichte gu’m posadh e fhein Sobaide. Chuir e mu choinneamh nan caladairean gu’m posadh iad na tri mnathan-uaisle eile. Dh’ aidich na caladairean gu’n robh iad gle thoileach deanamh mar a bha ’n righ ag iarraidh orra. Thug so toileachadh mor do ’n righ. Thug e dhaibh taighean mora, briagha anns a’ bhaile, agus rinn e comhairlich dhiubh. Gun dail sam bith fhuaradh a steach cleireach a’ bhaile, agus sgriobh e na cumhnantan-posaidh, agus an oidhche sin fhein thoisich na coig bainnsean, agus mhair iad seachd latha agus seachd oidhche. A h-uile latha ri ’m beo bheireadh na tri chaladairean agus na coig mnathan-uaisle am mile beannachd air an righ ainmeil, Haroun Alrashid. [TD 98] SINDBAD AN SEOLADAIR. CAIB. I. RI linn righ Haroun Alrashid, air an d’ thugadh iomradh mar tha, bha portair bochd ann am Bagdad do ’m b’ ainm Hindbad. Air latha araidh, an uair a bha ’n t-side anabarrach teith, bha aige ri eallach trom a giulan o aon cheann de ’n bhaile gus an ceann eile. Air dha bhith gle sgith a’ giulan an eallaich, agus astar mor aige ri choiseachd mu ’n ruigeadh e ceann a thuruis, shuidh e a leigeadh ’analach air aon de na sraidean bu bhriagha ’bh’ anns a’ bhaile. Thachair gu’n do shuidh e mu choinneamh taighe a bha anabarrach mor, maiseach. Bha ’n t-sraid air a nigheadh air beulaobh an taighe le uisge nan rosan, agus bha faileadh a’ bhidh a bha na cocairean a’ deasachadh anns an taigh a’ toirt neart dha chridhe. Bha ’n ceol a b’ aille a chuala cluas riamh ’ga sheinn ’s an taigh; agus bha ceileireadh nan eun boidheach, binn-ghuthach a bha ’seinn air bharraibh nan craobh, a’ togail inntinn air a leithid de dhoigh ’s gu’n robh e anns an am a’ dichuimhneachadh moran dhe gach eis is sgios is saruchadh a bha e ’fulang. Thuig e gu’n robh cuirm shoghail, ghreadhnach a’ dol air aghart anns an taigh. O nach b’ abhaist dha bhith ’dol troimh ’n chuid ud dhe ’n bhaile, cha robh fhios aige co bha ’fhuireach anns an taigh. Thug e ’n aire gu’n robh cuid dhe na seirbhisich am mach ’s a’ steach mu ’n dorus, agus iad ann an eideadh anabarrach riomhach. Dh’ fheoraich e dhiubh co bha ’fuireach anns an taigh. Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, [TD 99] “An e nach ’eil fhios agadsa ’s tu ’fuireach ann am Bagdad gur e so an taigh aig Sindbad an Seoladair, am fear-siubhail ainmeil a sheol timchioll an t-saoghail gu leir?” Chual’ am portair roimhe sin iomradh air Sindbad, agus air an t-saoibhreas mhor a bh’ aige, agus an uair a smaoinich e air cho fior bhochd ’s a bha e fhein, cha b’ urrainn e gun fharmad a bhith aige anns an am ri duine aig an robh saoibhreas ro mhor mar a bh’ aig Sindbad. Mar bu mho a smaoinicheadh e air an dealachadh a bh’ eadar a shuidheachadh bochd, truagh fhein, agus an suidheachadh anns an robh Sindbad, is ann bu mho a bha de dh’ eud ’s de dh’ fharmad ’s de champar ag eirigh suas ’na inntinn. Thog e suas a shuilean ri neamh, agus thuirt e le guth ard, “A Dhe uile-chumhachdaich, a chruthaich na h-uile nithean, thoir fa near an dealachadh a th’ eadar Sindbad agus mise. Tha mise gach latha air mo chlaoidh le obair chruaidh ’s le mi-fhortan, agus is gann a theid agam air greim tur, tioram dhe ’n aran a chumail rium fhein ’s ri m’ theaghlach, am feadh ’s a tha Sindbad a’ sealbhachadh saoibhreis ro mhor, agus a’ caitheamh a bheatha ann an sogh ’s ann an subhachas air nach ’eil crioch. Cia mar a thoill esan gu’n tugadh tu dha a leithid de shuidheachadh math, agus cia mar a thoill mise bhith air mo chur ’s an t-suidheachadh thruagh so anns am bheil mi?” An uair a thuirt e so, bhuail e ’chas air an talamh mar gu’m biodh e air a lionadh le eu-dochas. An uair a bha ’m portair mar so fo lionn-dubh, thainig seirbhiseach am mach as an taigh, agus rug e air ghairdean air, agus thuirt e ris gu’n robh Sindbad ag iarraidh air a dhol a steach a bhruidhinn ris. An uair a chuala Hindbad bochd so, ghabh e ioghnadh gu leor; oir an uair a thug e fa near na briathran gearaineach a labhair e, bha eagal air gur ann gu peanas a dheanamh air a chuir Sindbad fios air. Air an aobhair sin thoisich e ri leithsgeul a [TD 100] ghabhail, ag radh, nach fhaodadh e an t-eallach ’fhagail air an t-sraid. Ach thuirt an seirbhiseach ris gu’n gabhadh e fhein curam dhe ’n eallach, agus mu dheireadh thug e air a dhol a steach. Thug an seirbhiseach a steach e do sheomar mor far an robh aireamh mhor shluaigh ’nan suidhe mu’n cuairt air bord na dinneireach. Aig ceann shuas a’ bhuird bha leith-sheann duine maiseach air an robh fior choltas coir, siobhalta, agus feusag fhada, gheal air, ’na shuidhe, agus seirbhisich ’nan seasamh laimh ris a chum frithealadh a dheanamh dha. B’ e so Sindbad. An uair a chunnaic am portair na bha de shluagh aig an dinneir mhoir so, ghabh e eagal, agus bha crith air a ghuth an uair a chuir e failte air a’ chuideachd. Dh’ iarr Sindbad air tighinn air aghart, agus thug e air suidhe aig a dheas laimh aig a’ bhord, agus cha bu luaithe shuidh e na thug Sindbad le ’laimh fhein dha glaine fhiona. Ghabh e ’dhinnear comhladh ris a’ chuideachd. An uair a bha ’n dinnear seachad, thoisich Sindbad ri bruidhinn ris a’ phortair. Dh’ fheoraich e dheth, co dh’ ainm a bh’ air, agus ciod an obair a bh’ aige. “Mo mhaighstir,” ars’ esan, “is e m’ ainm Hindbad.” “Tha mi gle thoilichte d’ fhaicinn,” arsa Sindbad, “agus tha mi cinnteach gur math leis a’ chuideachd gu leir d’ fhaicinn mar an ceudna. B’ fhearr leam gu’n innseadh tu dhomh ciod a bha thu ’g radh o chionn greise air an t-sraid.” Chuala Sindbad troimh ’n uinneig a h-uile facal a thuirt e mu ’n do shuidh e aig an dinneir, agus b’ e sin thug air iarraidh air a’ phortair a dhol a steach.” Ghabh Hindbad ioghnadh an uair a chual’ e ’cheisd so, agus chrom e ’cheann, agus thuirt e, “A mhaighstir, tha mi ’g aideachadh gu’n robh m’ inntinn troimh a cheile aig an am leis cho sgith ’s a bha mi, agus thug sin orm briathran gun tur a labhairt. Tha mi ’n dochas gu’n toir sibh mathanas dhomh.” [TD 101] “Na bi ’smaointean gu’m bheil mise cho beag tur ’s gu’n gabh mi gu h-olc aon fhacal dhe na thubhairt thu. Tha fhios agam air do shuidheachadh, agus an aite bhith ’faotainn coire dhut air son a bhith gearain, is ann a tha truas agam riut. Ach o ’n a tha beachd mearachdach agad mu m’ thimchioll, feumaidh mi do chur ceart. Gun teagamh sam bith tha thu ’smaoineachadh gu’n d’ fhuair mise an saoibhreas agus an t-socair a th’ agam an diugh, gun dragh gun trioblaid. Ach tha do bheachd mearachdach. Cha d’ thainig mi gu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil mi gun bhith fad iomadh bliadhna ’fulang trioblaid cuirp is inntinn cho mor ’s gur gann a chreideadh daoin’ e. Seadh, a dhaoine uaisle,” ars’ esan ’s e labhairt ris a’ chuideachd gu leir, “tha mi ’g innseadh dhuibh le firinn, gu’n d’ fhuiling mi trioblaidean anabarrach mor, agus gu’n tugadh na tursan-cuain a ghabh mi a chum an saoibhreas a th’ agam a chur cruinn a mhisneach o ’n duine a’s sanntaiche a tha ’n diugh beo air an talamh. Is docha nach cuala sibh cunntas cheart mu na driodartan iongantach, agus na cunnartan mora ’thachair rium re nan seachd tursan-cuain a ghabh mi; agus o ’n a tha ’n cothrom agam a nis air an innseadh, tha mi toileach mion-chunntas a thoirt dhuibh mu ’n timchioll. Cha ’n ’eil teagamh agam nach taitinn mo naigheachd ribh.” An uair a dh’ eug m’ athair, dh’ fhag e cuid mhath de shaoibhreas agam. An uair a bha mi og, gorach, chaith mi an earrann bu mho dheth gun fheum sam bith dhomh fhein no do dhaoin’ eile. Mu dheireadh thug mi ’n aire gu’n robh mi ’dol fada cearr, agus thug mi fa near nach maireadh beairteas ach uine ghoirid, mur tugadh daoine an aire mhath dha. Thug mi fa near mar an ceudna, gu’n robh mi ’cur seachad na h-uine gun fheum, agus nach ’eil ni anns an t-saoghal cho luachmhor ris an uine ’thug Dia dhuinn a chum feum a dheanamh dhith. Chuimhnich mi [TD 102] air na briathran a labhair Solamh, agus a chuala mi gu tric aig m’ athair, Gur e am bas a’s fhasa fhulang na fior bhochdainn. An uair a ghabh mi le curam beachd air na nithean so, chruinnich mi gach ni a bh’ agam, agus reic mi e ris an fhear a b’ airde tairgse. Chuir mi mo chomhairle ris na marsantan bu ghlice a bh’ anns a’ bhaile, agus thuirt iad rium, nach robh doigh air am b’ fhearr a dheanainn beairteas na falbh air luing comhladh ri marsantan eile gu ruige na rioghachdan thall, agus reic is ceannach a dheanamh. Chaidh mi gun dail sam bith do Bhalsora, agus thuarasdalaich mi fhein agus marsantan eile long eadrainn. An uair a luchdaich sinn i leis gach seorsa bathair a b’ fhearr a shaoileamaid a gheibheadh reic, sheol sinn gu ruige na h-Innsean an Ear. Bha mi gle thinn le tinneas-mara fad beagan laithean an deis dhuinn seoladh; ach an uine ghoirid cha chuireadh an tinneas-mara dragh sam bith orm. Thaghail sinn ann an caochladh eileanan air ar turus, agus reic sinn cuid dhe ’n bhathar. Air latha araidh ’s gun deo shoirbheis againn, thug sinn an aire gu’n robh eilean beag, comhnard, faisge oirnn, a bha a reir coltais fo fheur goirid, gorm. Thug an sgiobair ordugh na siuil a phasgadh, agus thug e cead do gach aon a thogradh a dhol car uine do ’n eilean bheag so. Chuireadh am mach am bata-fada, agus chaidh mi fhein agus aireamh mhath dhe ’n luchd-turuis a bh’ air bord innte, agus dh’ iomair sinn thun an eilean. Thug sinn leinn biadh is deoch, agus connadh gus teine fhadadh air an eilean. An uair a dh’ fhadaidh sinn deadh theine, agus a bha ’m biadh a thug sinn leinn air a dheasachadh, shuidh sinn aige. Mu ’n robh sinn ullamh dhe ar biadh, thoisich an t-eilean ri dol air chrith fo ’r casan. Thug an fheaghainn a bh’ air bord an aire mar an ceudna gu’n robh an t-eilean a’ dol air chrith, agus ghlaodh iad ruinn sinn a [TD 103] thilleadh gu bord cho luath ’s a b’ urrainn duinn, ar neo gu’m biomaid caillte. Ged a bha sinn an duil gur ann air eilean a bha sinn, is ann a bha sinn air druim muice-mara a bha anabarrach mor. A h-uile fear bu luaithe na cheile, thug e am bata-fada air; shnamh cuid eile air falbh; ach mu ’n d’ fhuair mise falbh bhar druim na muice-mara, chaidh i fodha, agus gu fortanach fhuair mi greim air sgonn de ’n fhiodh a bh’ againn air son an teine fhadadh. An uair a shaoil leis an sgiobair gu’n robh gach aon dhe na chaidh thun an eilean air bord aige, ghrad rinn e deiseil gu seoladh air falbh. Eadar an t-eagal a ghabh iad agus a’ chabhag a bh’ orra, cha d’ ionndrainn aon seach aon aca gun robh mise ’g an dith. Anns an am thainig soirbheas fabharrach, agus ann an uine ghoirid chaidh an long as mo shealladh. Bha mise mar so air bharraibh nan tonn fad latha ’s oidhche, agus bha mo dhiol agam mi fhein a chumail an uachdar. An la-iar-na-mhaireach bha mo neart air mo threigsinn cho mor ’s gun d’ thug mi duil thairis dhe mo bheatha. Ach gu fortanach thug an sruth mi fhein ’s am maide air an robh greim agam a dh’ ionnsuidh eilean, agus chuir na tonnan air tir mi. Bha cladach an eilean cho cas ’s cho ard ’s gu’n do theab nach fhaighinn a dhireadh idir; ach thachair gu’n robh freumhan is meanglain nan craobh a bha ’fas air bruaich a’ chladaich cho laidir ’s gu’n do chum iad rium fhad ’s a bha mi direadh gu h-eigionnach suas gu talamh glas. [TD 104] CAIB. II. AN uair a dhirich mi suas, leig mi mi-fhein ’nam shineadh air an talamh ’s gun annam ach an deo air eiginn. An uair a dh’ eirich a’ ghrian suas gu math, ged a bha mi gle fhann le sgios agus le acras, dh’ fhalbh mi gu h-eigionnach feuch an tachradh ni sam bith rium a dh’ ithinn. Gu fortanach thachair measan rium, agus fuaran anns an robh uisge cho blasda ’s a dh’ ol mi riamh. Agus an uair a dh’ ith ’s a dh’ ol mi beagan, thainig tomhas mor dhe mo neart air ais. Choisich mi air aghart troimh ’n eilean gus an d’ rainig mi comhnard mor, far am faca mi beathach eich ag ionaltradh. An uair a chaidh mi gu math dluth dha, thug mi an aire gur e lair a bh ann, agus gu’n robh i air teaghair. An uair a bha mi ’nam sheasamh ag amharc oirre, chuala mi guth duine, mar gu’m biodh e tighinn as an talamh dluth orm. Ann an tiotadh bha e ’na sheasamh air mo bheulaobh, agus dh’ fheoraich e dhiom, co mi, agus co as a thainig mi. Dh’ innis mi dha gach ni mar a thachair dhomh o ’n a dh’ fhalbh mi o ’n taigh. An uair a chuala e mo naigheachd, rug e air laimh orm, agus thug e leis mi gu ruig’ uamha anns an robh aireamh dhaoine ’fuireach. Agus ma bha ioghnadh orrasan mise ’fhaicinn, bha ’cheart uiread a dh’ ioghnadh ormsa iadsan ’fhaicinn. An uair a dh’ ith mi beagan dhe ’n bhiadh a chuir iad ’nam thairgse, dh’ fheoraich mi dhiubh ciod a bha iad a’ deanamh anns an eilean fhasail ud. Thuirt iad rium gu’n robh iad ann an seirbhis an righ a bh’ air an duthaich, agus gu’n robh iad a’ tighinn gach bliadhna mu ’n am ud le laraichean an righ a chum gu’m faigheadh iad searraich o each a bha ’tighinn as a’ chuan. “Mur bi sinn ’n ar faireachadh,” ars’ iadsan, “marbhaidh e na laraichean leis [TD 105] na breaban. Ach an uair a chi sinn e a’ teannadh ri ’m breabadh, cuiridh sinn le glaodhaich ’s le gleadhraich an teicheadh air am mach air a’ mhuir. Tha na searraich a gheibh na laraichean uaithe ’tionndadh am mach gu bhith ’nan eich anabarrach briagha, agus tha iad air an gleidheadh gu feum an righ.” Thuirt iad rium gu’n robh iad gu falbh as an eilean an la-iar-na-mhaireach, agus gu’n tugadh iad leotha mi as an eilean. Ach na’n do thachair dhomh a bhith latha air dheireadh gun fhaotainn air tir ’s an eilean, bha mi air a bhith marbh ann; oir bha e anabarrach fad’ o thir-mor. An uair a bha sinn a’ bruidhinn, chunnaic sinn an t-each a’ tighinn air tir, agus an uair a fhuair an lair a bh’ air an teaghair searrach uaithe, ghrad dh’ fhuadaich iad am mach air a’ mhuir e. Gu math moch an la-iar-mhaireach dh’ fhalbh iad as an eilean, agus thug iad mise leotha, agus thug iad an lathair an righ mi. Dh’ fheoraich e dhiom co mi, agus cia mar a thachair dhomh tighinn do ’n rioghachd aige. Dh’ innis mi dha h-uile car mar a thachair dhomh o ’n a dh’ fhalbh mi o ’n taigh. Thuirt e gu’n robh am mi-fhortan a thainig ’nam rathad a’ cur dragh mor air. Aig a’ cheart am thug e ordugh seachad dh’a sheirbhisich, gach ni a bhiodh a dhith orm a thoirt dhomh, agus rinn iad gach ni mar a dh’ ordaich e. O ’n a bha mi ’nam mharsanta, bu tric leam a bhith ann an cuideachd mharsantan a’ bhaile, agus bha mi ’feorach mu dheidhinn nan coigreach a bhiodh a’ tighinn do ’n bhaile, gun fhios nach fhaodadh gu’n cluinninn sgeul a Bagdad, agus a h-uile dochas agam gu’m faighinn cothrom uair no uaireiginn air tilleadh air ais ann. Bha ceanna-bhaile na rioghachd air bruaich a’ chladaich, agus bha acarsaid mhath m’ a choinneamh, far am biodh soithichean a’ tighinn as gach cearn dhe ’n t-saoghal. [TD 106] Bu tric leam mar an ceudna bhith ann an cuideachd nan daoine foghluimte, agus a bhith ’g eisdeachd ri ’n comhradh. Ach cha do dhearmaid mi a bhith cho tric ’s a dh’ fhaodainn ann an cuideachd an righ agus nam mor-mhaithean a bha ’toirt cis dha. Chuir iad moran cheisdean orm mu thimchioll na duthchadh as an d’ thainig mi; agus o ’n a bha toil agam fios fhaotainn mu thimchioll nan laghannan agus nan cleachdaidhean a bh’ anns an duthaich acasan, bha mi ’cur iomadh ceisd orrasan mar an ceudna. Air latha araidh thachair dhomh a bhith aig a’ phort an uair a thoisich sgiobadh na luinge a bha air tighinn a steach do n acarsaid ri cur a bhathair a bh’ innte gu tir. Thug mi suil air a’ bhathar, mar a bha nadarra do m’ leithid a dheanamh, agus ciod a b’ iongantaiche leam na m’ ainm fhein fhaicinn air cuid dheth, agus an uair a sheall mi na b’ fhearr air, dh’ aithnich mi gu’m b’ e a’ cheart bhathar a chuir mi air bord ann am Balsora a bh’ ann. Dh’ aithnich mi an sgiobair mar an ceudna; ach o ’n a bha mi ’smaointean gu’n robh e ’creidsinn gu’n deachaidh mo bhathadh, chaidh mi far an robh e, agus dh’ fheoraich mi dheth, co dha ’bhuineadh am bathar. Thuirt e gu’m buineadh e do mharsanta mhuinntir Bhagdad, do ’m b’ ainm Sindbad; agus gu’n robh e ’creidsinn gu’n do bhathadh Sindbad comhladh ri moran eile dhe na bha air bord. “Agus,” ars’ esan “tha mise suidhichte gu’n reic mi e, agus gu’n toir mi an t-airgiod a gheibh mi air a shon do na cairdean a’s dluithe a tha aig Sindbad, an uair a thilleas mi dhachaidh.” “A sgiobair,” arsa mise, “is mise Sindbad a bha duil agad a chaidh a bhathadh, agus is leam am bathar so.” An uair a chuala ’n sgiobair so, thuirt e, “O chruitheachd! co dha is urrainn duinn geill no creideas a thabhairt ’s na laithean so? Dh’ fhalbh an fhirinn ’s an [TD 107] onair buileach glan a measg dhaoine. Chunnaic mi le mo shuilean fhein Sindbad a’ dol a dhith, agus chunnaic na daoine eile a bh’ air bord e a’ cheart cho math riumsa. Agus ’na dheigh so gu leir, tha thusa ’g radh gur tu fhein Sindbad. Nach tu chaill do naire buileach glan! Shaoileadh daoine le amharc ort, gur duine thu anns am bheil fìrinn is onair; agus ’na dheigh so gu leir, tha thu ’g innseadh nan tulla-bhreugan, a chum gu’m faigheadh tu coir air nithean nach buin dhut.” “Biodh foighidin agad, a dhuine,” arsa mise; “bi cho math ’s gu’n eisd thu rium gus an innis mi dhut na bheil agam ri radh.” “Ceart gu leor,” ars’ esan, “labhair thusa, agus eisdidh mise riut.” An sin dh’ innis mi dha a h-uile car mar a fhuair mi gu tir, agus mar a thug seirbhisich an righ as an eilean mi. Thug so air gu’n d’ rinn e air a shocair, agus gu’n do smaoinich e gu’n robh coltas na firinn air na dh’ innis mi dha; ach anns an am thainig feadhainn dhe na bh’ air bord ’s an luing gu tir, agus dh’ aithnich iad mi anns a’ mhionaid, agus bha iad anabarrach toilichte a chionn gu’m faca iad beo mi. Mu dheireadh dh’ aithnich e fhein mi, agus chuir e a dha laimh mu m’ mheadhain, agus thuirt e, “Cliu do ’n fhreasdal gu’n d’ fhuair thu as gun do bhathadh. Cha ’n urrainn domh innseadh cho toilichte ’s a tha mi. Tha do chuid bathair an sid; thoir leat e ’s dean do thoil ris.” Thug mi taing dha air son cho caoimhneil ’s cho onarach ’s a bha e. Thairg mi dha pairt dhe ’n bhathair air son a dhragha, ach cha ghabhadh e dad uam. Dh’ fhosgail mi na saic, agus thug mi asda am bathar bu luachmhoire a bh’ agam, agus chuir mi ann an tairgse an righ e. O ’n a bha fhios aig an righ air gach mi fhortan a thainig ’nam rathad, dh’ fheoraich e dhiom, [TD 108] c’aite an d’ fhuair mi am bathar luachmhor ud? Dh’ innis dha mar a thachair. Bha e anabarrach toilichte a chionn gu’n robh mi cho fortanach ’s gu’n d’ fhuair mi mo chuid fhein gu sabhailte, agus ghabh e gu toileach uam am bathar luachmhor a chuir mi ’na thairgse. Thug e dhomh tiodhlacan a bha moran na bu luachmhoire na na thug mi dha. Ghabh mi mo chead dheth, agus an deigh dhomh am bathar a reic, agus moran de bhathar luachmhor eile a cheannach gus a thoirt leam dhachaidh, chaidh mi air bord ’s an luing. Fhuair sinn soirbheas fabharrach air ar turus dhachaidh. Mu dheireadh rainig sinn Balsora, agus b’ fhiach na bh’ agam de bhathar ceud mile bonn oir. Thainig mi a Balsora do ’n bhaile so. Bha mi fhein ’s mo chairdean gu leir gle aoibhneach a chionn gu’n do thachair sinn ri’ cheile ann an slainte. Cheannaich mi fearann, agus thog mi taigh mor, maiseach, agus bha seirbhisich gu leor agam. Agus bha ’n am bheachd aig an am fois a ghabhail, agus gach trioblaid troimh an deachaidh mi a leigeadh gu buileach air dichuimhn. An uair a chuir Sindbad crioch air na briathran so, dh’ ordaich e do ’n luchd-ciuil teannadh ri cluich. Bha ’chuideachd gu leir aig itheadh ’s ag ol, agus a’ cur seachad na h-uine gu cridheil, caoimhneil, cairdeil, toilichte, gus an tainig an t-am dhaibh a bhith dealachadh ri cheile. An uair a bha ’m portair a’ falbh, thug Sindbad dha ceud bonn oir, agus thuirt e, “Gabh so, agus bi falbh dhachaidh; ach thig air ais am maireach, agus cluinnidh tu tuilleadh dhe m’ eachdraidh-sa.” Thill am portair dhachaidh, agus bha ioghnadh gu leor air araon air son an urram a chuir Sindbad air, agus gu h-araidh air son gu’n d’ thug e suim mhor oir dha. [TD 109] CAIB. III. AN la-iar-na-mhaireach chuir am portair uime an deise aodaich a b’ fhearr a bh’ aige, agus chaidh e do ’n taigh aig Sindbad, an Seoladair. Chuir Sindbad failte ’s furain air le mor chaoimhneas. An uair a thainig na h-aoidhean gu leir, chuireadh an dinneir air a’ bhord, agus shuidh iad aige fad uine mhath, ag itheadh ’s ag ol ’s a’ comhradh mu thimchioll iomadh ni. An uair a chuir iad crioch air an dinneir, thuirt Sindbad, agus e ’labhairt ris a’ chuideachd gu leir, “A dhaoin’ uaisle, ma ’s e bhur toil e, eisdibh rium, agus bheir mi dhuibh cunntas air na tubaistean ’s air na deuchainnean a thachair dhomh an dara turus a dh’ fhalbh mi ’sheoladh. Tha na bheil agam ri innseadh an diugh na ’s iongantaiche na na dh’ innis mi dhiubh an de.” An uair a chual’ iad so, dh’ fhan iad uile ’nan tosd, agus thoisich Sindbad ri innseadh a sgeoil dhaibh mar so:— Mar a dh’ innis mi dhuibh an de, bha ’nam bheachd an uair a thainig mi air ais gu ruige Bagdad, agus saoibhreas gu leor agam, gu’n caithinn na bha romham dhe mo bheatha anns a’ bhaile so gu socair, samhach. Ach ann an uine gun bhith fada, dh’ fhas mi sgith dhe ’n bheatha shocair, shoghail a bh’ agam, agus dhuisg miann laidir ann am inntinn gu falbh air luing a reic ’s a cheannach mar a rinn mi roimhe. Cheannaich mi gach seorsa bathair a b’ fhearr a shaoilinn a ghabhadh reic, agus chaidh mi air bord comhladh ri marsantan eile a bha fo dheadh ainm. An uair a chuir sinn sinn-fhein agus gach ni a bhuineadh dhuinn air curam Dhe, sheol sinn. Thaghail sinn ann an caochladh eileanan, far an do rinn sinn malairt a thug buannachd mhath dhuinn. [TD 110] Air latha araidh chaidh sinn air tir ann an eilean anns am faca sinn moran de chraobhan air an robh pailteas de mheasan. Ach cha robh duine ri fhaicinn air an eilean, agus cha mho a bha choltas gu’n robh creutair beo sam bith riamh ann, saor o eunlaith nan speur. Chaidh sinn air feadh an eilean so, agus bha cuid dhinn a’ cruinneachadh dhitheanan, agus bha cuid eile a’ cruinneachadh mheasan. Thug sinn uile leinn aran is fion as an luing, a chum gu’n gabhamaid beagan dhiubh mu ’n rachamaid air bord feasgar. An aite bhith ’siubhal air feadh an eilean mar a bha cach, is ann a shuidh mi air blianaig bhoidhich a bha eadar da chraoibh, agus ghabh mi na thainig rium dhe ’n aran ’s dhe ’n fhion a thug mi leam. ’Na dheigh sin thuit mi ’nam chadal. Cha ’n urrainn mi a radh ciod an uine e bha mi ’nam chadal, ach co dhiubh, an uair a dhuisg mi bha ’n long air falbh, agus ghabh mi ioghnadh mor. Dh’ eirich mi ’nam sheasamh, agus sheall mi mu ’n cuairt orm, ach cha robh aon dhe na marsantan ri fhaicinn. Mu dheireadh thug mi an aire do ’n luing ’s i fo lan aodach. Ach bha i cho fada air falbh ’s gu’n deachaidh i as an t-sealladh ann an uine ghoirid. Faodaidh sibh a thuigsinn gu’n robh mi ann an staid ro mhuladach anns an am. Bha mo chridhe gu bristeadh le bron. Thoisich mi ri glaodhaich gu muladach, agus ri bualadh mo chinn is m’ uchd. Thilg mi mi-fhein air an talamh, far an robh mi ’n am shineadh car uine, agus mi ann an cradh cridhe a bha eagalach. Bha smaointean an deigh smaointean ag eirigh suas fa chomhair na h-inntinn agam mu thimchioll cho gorach ’s a bha mi an uair nach robh mi riaraichte leis na chuir mi cruinn de shaoibhreas a’ cheud turus a dh’ fhalbh mi o ’n taigh. Bha mo chridhe gu bristeadh le aithreachas; ach cha deanadh aithreachas feum anns an am. Mu dheireadh dh’ earb mi mi-fhein ri Dia, agus chuir mi romham gu’m bithinn umhail dha. [TD 111] O nach robh fhios agam ciod a dheanainn, choisich mi suas air feadh an eilean, agus air dhomh craobh mhor fhaicinn, shreap mi innte cho ard ’s a b’ urrainn domh, an dochas gu’m faicinn long a’ dol seachad faisge air tir. Ach cha robh ni ri fhaicinn ach an cuan mor, farsuinn. Thug mi an aire gu’n robh rud mor, geal air aite comhnard a bha astar fada uam. Smaoinich mi gu’m b’ fhearr dhomh a dhol a dh’ fhaicinn ciod a bh’ ann. Thug mi leam am beagan bidh a bh’ agam agus dh’ fhalbh mi. An uair a bha mi ’dluthachadh ris bha mi smaointean gur e soitheach geal, creadha a bha anabarrach mor a bh’ ann. Ach an uair a rainig mi e ’s a chuir mi mo lamh air, dh’ aithnich mi nach e criadh a bh’ ann idir. Choisich mi mu’n cuairt air uair no dha, feuch am faicinn an robh coltas air a bhith fosgailte an aite sam bith. Ach cha robh. Bha, air a’ chuid bu lugha, leith cheud ceum agam ri dheanamh mu’n rachainn timchioll air. Anns an am bha ghrian a’ teannadh ri dhol fodha. Ann an uine ghoirid dh’ fhas an iarmailt cho dorcha ’s ged bhiodh i air a comhdachadh le tiugh-neoil. Chuir so ioghnadh mor orm; ach is ann a bha ’n t-ioghnadh orm an uair a thuig mi gur e eun anabarrach mor a bha ’g itealaich an rathad a bha mi a dh’ aobharaich an dorchadas. Chuimhnich mi gu’n cuala mi maraichean ag radh, gu’n robh eun uamhasach mor ann ris an canar, an roc, agus thuirt mi rium fhein, gur docha gur e an t-ugh aig an roc an rud mor, geal a bh’ air mo bheulaobh. An uair a bha mi ’a smaointean so thainig an roc agus laidh i air an ugh. Chuir mise mi fhein ri taobh an uighe, an uair a chunnaic mi ’tighinn i. Thachair dhomh a bhi gle dhluth air an aite anns an do shocraich i a cas, an uair a laidh i air an ugh, agus bha a cas cho garbh ri bun craoibhe. Nan do sheas i orm, bha i air mo phronnadh ’n am chraicionn. [TD 112] Cheangail mi mi-fhein gu teann cruaidh ri a cois leis an aodach-uachdair a bh’ orm; oir smaoinich mi gu’n tugadh i air falbh as an eilean mi, an uair a dh’ eireadh i bhar an uighe ’ a’ mhadainn. Chuir mi seachad an oidhche gun mhoran cadail, ged a bha mi blath gu leor. Anns a’ mhoch mhadainn dh’ eirich an roc bhar an uighe, agus thug i leatha, mi gun fhios, gun fhaireachadh dhi fhein. Chaidh i suas cho ard do ’n iarmailt ’s nach bu leur dhomh ach gann an talamh. ’Na dheigh sin thainig i nuas thun na talmhainn le leithid de luaths ’s gu’n do chaill mi car tiotaidh mo mothachadh. Cha bu luaithe a rainig i an talamh na dh’ fhuasgail mi mi-fhein uaipe. Agus an ceann tiotaidh thog i leatha nathair uamhasach mor ’na gob, agus dh’ fhalbh i. An uair a sheall mi mu ’n cuairt orm, thug mi an aire gu’n robh mi air m’ fhagail ann an gleann anabarrach domhain, agus gu’n robh na creagan a bha mor-thimchioll air cho cas ’s nach b’ urrainn neach sam bith faighinn as. Chuir so fo iomacheist mhoir mi; agus an uair a smaoinich mi air a’ chuis, thuirt mi rium fhein, gu’n robh e cho math dhomh a bhith ann an eilean fhein ri bhith far an robh mi. An uair a bha mi ’coiseachd troimh ’n ghleann thug mi an aire gu’n robh an talamh lan de dhaoimein, agus gu’n robh cuid diubh anabarrach mor. Bha mi ’gabhail beachd orra; ach o nach robh ’chuis coltach gu’m faighinn as a’ ghleann gu brath, cha robh mi ’faicinn gu’n robh aobhar agam air mo lamh a chur air fear dhiubh. Cha robh mi fada coiseachd troimh ’n ghleann an uair a chunnaic mi rud a chuir eagal gu leor orm; agus b’ e sin, an aireamh mhor de nathraichean a bh’ ann. Bha cuid dhiubh co mor ’s gu’n sluigeadh iad tarbh gun bhuille chagnaidh. Re an latha bha iad ’g am falach fhein ann an tuill, ach an uair a thigeadh an oidhche, bha iad a’ tighinn am mach as na tuill. [TD 113] Chuir mi seachad an latha mar a b’ fhearr a dh’ fhaodainn. Bha mi ’coiseachd air feadh a’ ghlinne, agus an drasta ’s a rithist bha mi ’leigeadh m’ analach anns gach aite bu fhreagarraiche na cheile a thachradh rium. An uair a thainig an oidhche chaidh mi steach do dh’ uamhaidh, agus dhuin mi am beul aice le clachan air dhoigh ’s nach b’ urrainn na nathraichean a dhol a steach. Ach dh’ fhag mi tuill fosgailte air an rachadh an solus a steach. Ghabh mi beagan dhe ’n bhiadh a bh’ agam; ach leis an t-sranntraich a bh’ air na nathraichean faisge air an uamhaidh, cha leigeadh an t-eagal leam norradh cadail a dheanamh. An uair a thainig an latha, chaidh na nathraichean do na tuill, agus thainig mise am mach as an uamhaidh ’s mi air chrith leis an eagal. Ged a bha mi coiseachd air na daoimein, cha robh de shuim agam dhiubh na thogadh fear dhiubh bhar an lair. Mu dheireadh shuidh mi, agus ged nach robh m’ inntinn aig fois, thainig an cadal orm; oir cha do dhuin mo shuil an oidhche roimhe sid. Ach cha robh mi fada ’nam chadal an uair a dhuisg fuaim araidh mi. Ar leam gu’n do thuit rud trom laimh rium. Dh’ eirich mi ’nam shuidhe, agus an uair a sheall mi mu ’n cuairt orm, ciod a b’ iongantaiche leam na pios mor de dh’ fheoil uir ’fhaicinn laimh rium. Aig a’ cheart am chunnaic mi iomadh pios feola eile a’ tuiteam a nuas bhar bearradh nan creagan a bha faisge orm. CAIB. IV. FADA roimhe sid, chuala mi maraichean ag innseadh naigheachdan mu ghleann nan daoimean, agus mu na h-innleachdan a bha na marsantan a’ cleachdadh gus na daoimein a thoirt as. Ged nach robh mi ’creidsinn nan [TD 114] naigheachdan aig an am, gidheadh tha mi nis ’g an lan chreidsinn. Tha na h-iolairean a’ breith air bearradh nan creagan a tha air gach taobh dhe ’n ghleann, agus anns an àm am bi na h-eoin aca, tha na marsantan a’ tilgeadh spoltan de dh’ fheoil uir sios bhar bearradh nan creag do ’n ghleann. An uair a thuiteas an fheoil air na daoimein, tha moran dhiubh a’ stad innte, agus an uair a tha na h-iolairean a’ toirt leotha na feola bhar urlar a’ ghlinne do na neadan gus an cuid alaich a bheathachadh, tha na marsantan ’gam fuadachadh air falbh gus an toir iad na daoimein as an fheoil. Tha iad a’ deanamh moran saoibhreis air an doigh so. Ged a bha mi ’n duil nach fhaighinn as a’ ghleann gu brath, thuig mi, an uair a chunnaic mi na spoltan feola air an giulan air falbh leis na h-iolairean, gur docha gu’n rachadh agam air faighinn as. Thoisich mi ri cruinneachadh nan daoimean bu mho a chithinn, gus mu dheireadh an do lion mi a’ mhaileid anns am bithinn a’ giulan mo bhidh. ’Na dheigh sin cheangail mi air mo dhruim am pios feola bu mho a fhuair mi, agus cheangail mi ’mhaileid gu teann, cruaidh ri mo chrios. An sin leig mi mi-fhein air mo bheul fodham air an talamh. Cha robh mi fada ’na m’ shineadh mar so an uair a thainig iolaire mhor, agus thog i leatha an fheoil agus mi-fhein ’na cruidhean a cheart cho sgiobalta ’s ged nach biodh aice ach uan, agus dh’ fhag i mi anns a’ nead aig na h-iseanan. Ghrad thoisich na marsantan ri glaodhaich gus eagal a chur air na h-iolairean, agus an uair a chuir iad falbh as na neadan iad, thainig fear dhiubh a dh’ ionnsuidh an nid anns an robh mise. Ghabh e eagal gu leor an uair a chunnaic e mi. Ach an uair a thainig e thuige fhein, an [TD 115] aite faighneachd cia mar a thainig mi do ’n nead, is ann a thoisich e ri trod rium, agus ri radh, gur ann a ghoid nan daoimean a thainig mi. “Bidh tu na ’s modhaile rium,” arsa mise, “an uair a bhios am barrachd eolais agad orm. Na cuir an corr dragha ort fhein, tha de dhaoimein agamsa na dh’ fhoghnas dhuinn le cheile. Tha barrachd agam na th’ aig na marsantan gu leir. Cha ’n ’eil acasan ach daoimein bheaga; ach thagh mise na daoimein bu mho a chunnaic mi air urlar a’ ghlinne, agus tha iad agam an so anns a’ mhaileid. An uair a thuirt mi so ris, dh’ fheuch mi dha iad. Anns an t-seanachas dhuinn, thainig na marsantan eile far an robh sinn, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad mi. Ach bha moran a bharrachd ioghnaidh orra an uair a dh’ innis mi dhaibh a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh. Ged a chuir an doigh a ghabh mi gu faotainn as a’ ghleann ioghnadh orra, bu mho gu mor a bha dh’ ioghnadh orra a chionn mi bhith cho misneachail ’s gu’n do dh’ fheuch mi rithe. Thug iad leotha mi a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh iad a’ fuireach, agus an uair dh’ fhosgail mi a’ mhaileid, agus a nochd mi dhaibh na daoimein, thuirt iad nach fhaca iad daoimein riamh cho mor riutha ann an aon aite anns an robh iad. Dh’ iarr mi air a’ mharsanta do ’m buineadh an nead anns an d’ fhag an iolaire mi (oir bha nead aig a h-uile marsanta dha fhein), na thogradh e dhe na daoimein a thoirt leis. Ach cha ghabhadh e ach am fear bu lugha a bh’ anns a’ mhaileid; agus an uair a bha mi ’coiteach tuilleadh dhiubh air, thuirt e gu’n robh e riaraichte leis an aon fhear, agus gu’n robh e smaointean nach ruigeadh e leas a bhith ’g iarraidh tuilleadh fortain ri ’bheo. Chuir mi an oidhche seachad comhladh ris na marsantan, agus dh’ innis mi dhaibh an dara uair a h-uile car mar a thachair dhomh o ’n a dh’ fhalbh mi as an taigh. [TD 116] Bha aoibhneas anabarrach mor orm a chionn gu’n d’ fhuair mi as an aite chunnartach ’s an robh mi. Is gann gu’n tugainn orm fhein a chreidsinn nach e bruadar a chunnaic mi. Lean na marsantan air tilgeadh na feola do ’n ghleann fad aireamh laithean, agus an uair a bha iad riaraichte leis na fhuair iad de dhaoimein, rinn iad deiseil gu falbh dhachaidh. Dh’ fhalbh mise comhladh riutha. Air ar turus chaidh sinn tarsuinn air beanntanan arda, anns an robh nathraichean a bha anabarrach mor. Ach gu fortanach cha d’ rinn iad cron sam bith oirnn. Rinn sinn direach air a’ bhaile-puirt a b’ fhaisge dhuinn. ’Na dheigh sin thainig sinn gu eilean do ’m b’ ainm, Roha. Anns an eilean so tha na craobhan camphoir a’ fas. Tha iad anabarrach mor, agus tha na meanglain a’ sgaoileadh am mach cho fada mor thimchioll orra ’s gu’n cuireadh iad sgaile air ceud fear. Tha ’n sugh air am bheilear a’ deanamh a’ champhoir a’ sruthadh am mach as na craobhan an uair a nithear toll anns an rusg aca. An uair a ruitheas an sugh gu leir am mach asda, tha iad a’ seargadh. Anns an eilean so, tha fìadh-bheathaichean ris an canar, rhinoceros. Cha ’n ’eil iad cho mor ri elefant, ach tha iad na ’s mo na ’n crodh fiadhaich. Tha aon adhairc a’ fas as an t-sroin aca a tha mu throidh gu leith air fad. An uair a theid an rhinoceros a shabaid ris an elefant, tha i ’cur na h-adhairc anns a’ chorp aice, agus ’ga grad mharbhadh. Ach an uair a theid fuil agus bloinig na h-elefant ann an suilean na rhinoceros, tha i ’call a fradhairc; agus rud iongantach, tha ’n roc a’ tighinn, agus tha i ’g an togail air falbh le cheile ’na cruidhean gus na h-iseanan a bheathachadh. Ach gu sgeul goirid a dheanamh dheth, cha toir mi iomradh air na nithean iongantach eile a chunnaic mi anns an eilean so. Cheannaich mi bathar anns an eilean so le fear dhe na daoimein a bh’ agam. Chaidh sinn do dh’ eileanan [TD 117] eile, far an d’ rinn sinn malairt mar an ceudna. Agus an deigh dhuinn taghal ann an caochladh bhailtean air tir mor, rainig sinn mu dheireadh Balsora. As a sin thainig mi dhachaidh gu ruige Bagdad. An uine ghoirid an deigh dhomh tighinn dhachaidh, thug mi deirce do na bochdan, agus bha mi ’caitheamh mo bheatha gu measail, cliuiteach mar a thigeadh do dhuine aig an robh saoibhreas mor. An uair a chuir Sindbad crioch air a naigheachd, thug e ceud bonn oir eile do Hindbad, am portair. Agus thuirt e ris, e thighinn an la-iar-na-mhaireach a chum gu’n cluinneadh e mar a dh’ eirich dha air an treas turus-cuain a ghabh e. Chaidh na h-aoidhean eile dhachaidh, agus thainig iad air ais an la-iar-na-mhaireach aig an uair ainmichte. Thainig am portair air ais aig a’ cheart uair mar an ceudna, agus is gann gu’n robh cuimhne aige air an eis agus air na trioblaidean troimh an deachaidh e roimhe sid. Air an ath latha, an uair a chruinnich na h-aoidhean agus am portair, agus a ghabh iad an dinnear, thoisich Sindbad ri innseadh dhaibh a naigheachd mar so:— Cha robh mi fada, ars’ esan, aig an taigh an uair a dhichuimhnich mi gach cunnart is trioblaid is amhghair troimh ’n deachaidh mi air an turus mu dheireadh a bha mi air falbh. Bha mi ann an treun mo neirt aig an am, agus bha mi ’fas sgith dhe ’n bheatha shocraich a bha mi ’caitheamh. O ’n a fhuair mi gu sabhailte as gach cunnart ’s an robh mi air an da thurus a bha mi air falbh, bha mi ’smaointean nach tachradh cunnartan bu mho na iad rium gu brath tuilleadh. Dh’ fhalbh mi a Bagdad gu ruige Balsora, agus thug mi leam am bathar bu luachmhoire a bha ri ’fhaotainn. Thuarasdalaich mi fhein agus marsantan eile long mhor eadrainn, agus an uair a luchdaich sinn i leis gach seorsa bathair, sheol sinn. [TD 118] Chaidh sinn air turus fada, agus fad iomadh latha bha ’n soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarramaid. Ach thainig stoirm mhor oirnn, agus chaill sgiobair na luinge a chursa. Lean an stoirm fad iomadh latha. Mu dheireadh thainig sinn gu eilean araidh. Dh’ aithnich an sgiobair an t-eilean, agus cha robh e deonach a dhol a steach do ’n acarsaid idir; ach o ’n a bha ’n t-side cho fiadhaich, b’ fheudar dhuinn acrachadh innte. An uair a phaisgeadh na siuil, dh’ innis an sgiobair dhuinn, gu’n robh an t-eilean agus na h-eileanan eile a bha faisge air, lan de dhaoine fiadhaich, agus ged nach robh iad ach beag, gu’n tugadh iad ionnsuidh air ar beatha ’thoirt dhinn. Agus thuirt e gu’n robh iad cho lionmhor ris na locuist, agus nach b’ urrainn duinn cur ’nan aghaidh. Thuirt e mar an ceudna, nam marbhamaid fear dhuibh gu’n eireadh cach ’nar n-aghaidh, agus gu’n cuireadh iad gu bas sinn anns a’ mhionaid. An uair a chuala sinn so, ghabh sinn eagal mor. Ann an uine ghoirid thuig sinn gu’n robh na dh’ innis e dhuinn fìor gu leor. Shnamh aireamh mhor dhiubh a dh’ ionnsuidh na luinge. Cha robh iad ach mu dha throigh air airde, agus bha iad comhdaichte le gaosaid ruaidh o bhonn gu bathais. Chuartaich iad an long, agus bha iad a’ bruidhinn ruinn; ach cha robh sinn a’ tuigsinn aon fhacal dhe na bha iad ag radh. Shreap iad suas ri cliathach na luinge, agus thainig iad air bord. CAIB. V. AN uair a chunnaic sinn iad a’ tighinn air bord, chlisg na cridheachan againn leis an eagal. Cha bu dana leinn sinn fhein a dhion, no facal a radh riutha gu bacadh a chur orra. Thug iad a nuas na siuil, ghearr iad an [TD 119] cabla, agus tharruinn iad an long gu tir. Thug iad oirnn falbh as an luing. ’Na dheigh sin thug iad an long gu eilean eile, far an robh iad a’ fuireach. Tha luchd falbh na mara a’ seachnadh an eilean do ’n d’ thug iad sinn, do bhrigh nach ’eil e sabhailte dhaibh a dhol ann, mar a thuigeas sibh o na bheil agam ri innseadh dhuibh; ach b’ eiginn duinn cur suas leis gach ni a thainig ’n ar rathad gu foighidneach. Chaidh sinn air feadh an eilean far an d’ fhuair sinn measan a bha ’g ar cumail beo. Ach thuig sinn nach robh romhainn ach am bas. Mar a bha sinn a coiseachd air ar n-aghaidh, chunnaic sinn aitreabh mhor fada uainn, agus rinn direach oirre. An uair a rainig sinn i, chunnaic sinn gur e luchairt mhor a bh’ ann. Bha i gle ard, agus air a deadh thogail. Bha comhlachan a’ gheata de dh’ eboni. An uair a rainig sinn an geata, dh’ fhosgail sinn e, agus chaidh sinn a steach. Ghabh sinn air ar n-aghart gus an d’ rainig sinn cuirt mhor fharsuinn anns am faca sinn torr mor de chnamhan dhaoine, agus torr de bhioran-rosta. Chaidh sinn air chrith leis an eagal an uair a chunnaic sinn an sealladh so. O ’n a bha sinn gu tuiteam bhar ar casan leis an sgios, shuidh sinn far an robh sinn gun ghluasad gun charachadh. Bha ’ghrian air a dhol fodha anns an am, agus am feadh ’s a bha sinn anns an t-suidheachadh mhuladach a dh’ ainmich mi, chuala sinn a bhith fosgladh dorus na cuirte le fuaim uamhasach, agus thainig duine dubh am mach a bha cheart cho ard ri craoibh phailme. Cha robh air ach an aon suil. Bha i an clar an aodainn aige, agus bha i coltach ri meall teine. Bha claragan mora, fada, geura ’nan stuib am mach as a’ chairean aige. Bha beul air coltach ri beul eich. Bha a lip iochdair cho mor ’s gu’n robh i a’ tuiteam sios air a’ bhrollach aige; agus bha cluasan air cho mor ri cluasan elefant, agus bha iad ’nan [TD 120] laidhe air na guaillean aige. Agus bha inean mora, fada, croma air mar gu’m biodh spuir iolaire. An uair a chunnaic sinn e, cha mhor nach deachaidh an t-anam asainn leis an eagal. Bha sinn greis mhath ’s gun fhios againn co dhiubh a bha sinn beo no marbh. An uair a thainig ar mothachadh ugainn, chunnaic sinn e ’na shuidhe anns an dorus, agus e ’g amharc oirnn. An uair a bha e greis a’ beachdachadh oirnn ghabh e far an robh sinn, agus rug e ormsa air chul amhaich mar gu’m beireadh feoladair air ceann caorach. An uair a sheall e gu math orm, agus a chunnaic e gu’n robh mi anabarrach caol, leig e as mi. Rug e air fear an deigh fir de chach, agus sheall e orra anns a’ cheart dhoigh. Agus o ’n a b’ e an sgiobair am fear bu raimhre a bha ’nar measg, rug e air anns an dara laimh, agus stob e am bior-rosta ann leis an laimh eile; agus an uair a bheothaich e an teine gu math, rost e e, agus dh’ ith e e gu shuipeir. An uair a ghabh e ’shuipear, chaidil e anns an dorus, agus bha srann aige mar gu ’m biodh tairneanach. Chaidil e gu trom gus an do shoilleirich an latha. Air ar son-ne dheth, cha robh e an comas dhuinn tamh no cadal fhaotainn; oir bha na cridheachan againn air chrith leis an eagal. An uair a thainig an latha, dhuisg e, agus chaidh e ’mach as an luchairt. An uair a shaoil sinn gu’n robh e astar math air falbh, thoisich sinn ri gearain ’s ri caoidh air a leithid de dhoigh ’s gu’n cluinnteadh astar math air falbh sinn. Ged a bha aireamh mhor dhinn ann, agus ged nach robh againn ach an aon namhaid, cha do smaoinich sinn an toiseach air doigh sam bith leis am feuchamaid ri chur gu bas. Ged a bha fhios againn gur e chur gu bas an aon doigh air am faigheamaid as a lamhan, cha robh fhios againn ciod an doigh a ghabhamaid. Ged a smaoinich sinn air iomadh doigh anns an gabhadh e cur gu bas, cha do shuidhich sinn gu’n gabhamaid [TD 121] doigh shonraichte sam bith. Ach chuir sinn romhainn gu’n cuireamaid suas le cuisean car uine mar a bha iad, gus am faiceadh Dia iomchuidh fuasgladh a thoirt dhuinn. Chaidh sinn air feadh an eilean a chruinneachadh mheasan is luibhean gus sinn fhein a chumail beo. An uair a thainig am feasgar, dh’ fheuch sinn ri aite fhaotainn anns an cuireamaid seachad an oidhche; ach dh’ fhairtlich oirnn aite freagarrach sam bith fhaotainn. Air an aobhar sinn b’ eiginn duinn, olc air mhath leinn, tilleadh do ’n luchairt far an robh sinn an oidhche roimhe sid. An uair a thainig am feasgar, thill am famhair air ais, agus rost e fear dhinn air son a shuipeireach, mar a rinn e an oidhche roimhe sid. ’N a dheigh sin chaidil e gus an robh an latha ann, agus an uair a dhuisg e, chaidh e ’mach mar a b’ abhaist dha. Bha ar suidheachadh cho eagalach ’s gu’n robh iomadh fear dhinn a’ smaoineachadh e fhein a thilgeadh am mach air a’ mhuir, a roghainn air a’ bhas a bha ’feitheamh oirnn. Agus bha ’n fheadhainn a bha deonach so a dheanamh a’ comhairleachadh do chach crioch a chur air am beatha anns a cheart dhoigh. An uair a bha iad a’ bruidhinn air so a dheanamh, thuirt fear dhe ’n chuideachd, gu’n robh e air a thoirmeasg do dhaoine am beatha fhein a thoirt air falbh; agus eadhon ged a bhiodh e ceadaichte dhaibh, gur e feuchainn ri beatha ’chreutair uamhasaich a bha ’g an rostadh ’s ’g an itheadh a thoirt air falbh moran bu ghlice ’s bu reusanta dhaibh. Smaoinich mise air doigh leis am feuchamaid ri chur gu bas. An uair a dh’ innis mi dhaibh an ni a bha ’nam bheachd, chuir iad uile an aonta ris. “A bhraithrean,” arsa mise, “tha fhios agaibh gu’m bheil moran fiodha mu ’n cuairt a’ chladaich. Ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, ni sinn rathan air an fhiodh; agus an uair a bhios iad deiseil, fagaidh sinn air a’ chladach iad gus an tig am anns an cuir sinn feum orra. Gun dail sam [TD 122] bith feuchaidh sinn ri cur as do ’n fhamhair. Ma theid an gnothach leinn, faodaidh sinn fantainn gu foighidneach anns an eilean car uine, gun fhios nach tigeadh long faisge air an eilean a bheireadh air falbh sinn. Ach mur teid againn air cur as do ’n fhamhair, theid sinn cho luath ’s is urrainn duinn thun nan rathan, agus bheir sinn an cuan oirnn. Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil sinn a’ cur ar beatha ann an cunnart mor, ma dh’ fhalbhas sinn air na rathan; ach is fhearr dhuinn gu mor a bhith air ar bathadh anns a’ chuan na bhith air ar rostadh ’s air ar n-itheadh leis an uile-bheist ud, a dh’ ith dithis dhinn mar tha.” Chord mo chomhairle riutha, agus rinn sinn rathan beaga a chumadh triuir an uachdar. Thill sinn feasgar do ’n luchairt, agus an uine gun bhith fada thainig am famhair. Dh’ ith e fear eile dhe ar chompanaich. An ceann tiotaidh leig e e-fhein ’na shineadh, agus chaidil e. Cho luath ’s a chuala sinn srann aige, ghabh naoinear eile agus mi-fhein bior-rosta am fear, agus an uair a rinn sinn dearg anns an teine iad, chuir sinn comhladh ’na shuil iad, agus dhall sinn e. Thug an cradh air a’ bhith ’glaodhaich gu h-eagalach. Ghrad dh’ eirich e, agus thoisich ri sineadh a lamhan feuch am faigheadh e greim air fear dhinn, a chum dioghaltas a dheanamh oirnn. Ach theich sinn do chuiltean anns nach fhaigheadh e sinn. An deigh dha bhith greis mhath a’ feuchainn am faigheadh e greim oirnn, rinn e air eiginn am mach an geata, agus dh’ fhalbh e, agus glaodh eagalach ’na cheann. Beagan uine an deigh dhasan a dhol am mach, dh’ fhalbh sinne as an luchairt, agus thug sinn an cladach oirnn, far an d’ fhag sinn na rathan, agus chuir sinn air bhog iad. Dh’ fheith sinn gus an d’ thainig an latha gun fhalbh air na rathan feuch am faiceamaid an tigeadh am famhair a dhall sinn, no fear eile dhe ’sheorsa an rathad a bha sinn. Ach bha dochas againn mur tigeadh e mu [TD 123] eirigh na greine, agus gu’n sguireamaid a bhith’ cluinntinn a ghlaodhaich, gu’m faigheadh e bas. Na ’n tachradh dha am bas fhaotainn, bha sinn suidhichte gu’m fanamaid air an eilean, agus nach cuireamaid ar beatha ann an cunnart le falbh air na rathan. Ach mu ’n gann a shoilleirich an latha, chunnaic sinn a tighinn e, agus dithis eile a cheart cho mor ris fhein ’ga threorachadh, agus moran eile dhe sheorsa ’tighinn ’na dheigh le ceum gle chabhagach. An uair a chunnaic sinn so, dh’ fhalbh sinn o thir air na rathan cho cabhagach ’s a b’ urrainn duinn. An uair a chunnaic na famhairean sinn, ruith iad thun a’ chladaich, thog iad ultach de chlachan a’ chladaich, agus an uair a ghrunnaich iad am mach air a’ mhuir cho fad ’s a b’ urrainn daibh, thoisich iad ri tilgeadh nan clach oirnn. Leis cho cuimiseach ’s a bha iad a’ tilgeadh nan clach, chuir iad a h-uile aon dhe na rathan as a cheile ach an rath air an robh mise agus mo dhithis chompanach. Bhathadh a h-uile duine ach sinn fhein ’n ar triuir. CAIB. VI. DH’ IOMAIR sinn cho math ’s a b’ urrainn sinn, agus an uine ghoirid chaidh sinn cho fad o thir ’s nach ruigeadh na famhairean oirnn. Ach ged a fhuair sinn as o na famhairean, bha sinn ann an cunnart a bhith air ar bathadh a h-uile mionaid; oir, eadar ainneart nan tonn agus a’ ghaoth laidir a dh’ eirich anns an am, bha ’n rath air a thilgeadh a null ’s a nall, agus bha ar diol againn ri dheanamh greimeachadh ris. Bha sinn fad latha ’s oidhche anns an t-suidheachadh thruagh so. Mu dheireadh chuir an sruth ’s a’ ghaoth sinn gu cladach eilean, agus bha sinn gle aoibhneach an uair a fhuair sinn air tir ann. Fhuair sinn pailteas de mheasan anns an eilean, agus thug so misneach agus neart dhuinn. [TD 124] An uair a thainig am feasgar, chaidil sinn air bruaich a’ chladaich. Ach dhuisgeadh sinn leis an fhuaim a bha nathair a’ deanamh. Bha an nathair so cho fada ri craoibh-phailme, agus an uair a bha i ’snaigeadh, bha na lannan a bh’ oirre a’ deanamh fuaim a chuireadh eagal air duine. Mu ’n do tharr sinn sealltainn ugainn no uainn, rug i air fear dhe mo chompanaich, agus a dh’ aindeoin na spairn agus na glaodhaich a bha e ’deanamh, chum i greim air. Ged a theich mi fhein agus mo chompanach astar math air falbh, bha sinn a’ cluinntinn an fhuaim a bh’ aig na cnamhan aige, an uair a bha i ’ga chagnadh. Air an ath latha chunnaic sinn an nathair a’ tighinn an rathad a bha sinn. “O chruitheachd,” arsa mise, “nach sinn a th’ anns a’ chunnart! Bha sinn an de a’ deanamh gairdeachais a chionn gu’n deachaidh sinn as o ’n fhamhair, agus o ’n ghabhadh anns an robh sinn air an fhairge, ach tha sinn a nis air tuiteam ann an cunnart moran na ’s mo na na cunnartan anns an robh sinn.” An uair a bha sinn a’ coiseachd mu ’n cuairt, chunnaic sinn craobh mhor, agus shuidhich sinn gu’n cuireamaid seachad an oidhche innte, a chum nach fhaigheadh an nathair greim oirnn. Dh’ ith sinn na thainig ruinn dhe na measan a chruinnich sinn, agus dhirich sinn suas do ’n chraoibh cho ard ’s a b’ urrainn duinn. Ann an co-thrath na h-oidhche thainig an nathair gu bonn na craoibhe, agus srann eagalach aice. Dhirich i suas ris a chraoibh, agus thug i leatha mo chompanach, agus dh’ ith i e. Dh’ fhan mise ann am fìor bharr na craoibhe gus an d’ thainig an latha. An sin thainig mi ’nuas, agus bha mi na bu choltaiche ri duine marbh na ri duine beo; oir bha mi an duil gu’n tachradh a’ cheart ni dhomh ’s a thachair do m’ dhithis chompanach. Bha leithid de dh’ uamhas orm ’s gu’n do smaoinich mi gu’m b’ fhearr dhomh mi fhein a bhathadh. Ach bha leithid de cheangal agam ri mo bheatha ’s nach do gheill mi do ’n bhuaireadh so. [TD 125] Chuir mi romham gu’m fagainn mi fhein ann an lamhan Dhe gus an cuireadh e crioch air mo bheatha mar a chitheadh e iomchuidh. Gun dail sam bith thoisich mi ri cruinneachadh meanglain chraobh is dhrisean ’s a h-uile ni eile a gheibhinn, agus rinn mi cro timchioll na craoibhe gus an nathair a chumail uam. Cheangail mi am fiodh so ris na meanglain, agus an uair a shaoil mi gu’n robh a’ chro laidir gu leor gus an nathair a chumail uam, chaidh mi steach innte. Cha robh agam de dh’ aobhar toileachaidh ach gu’n robh mi ’smaointean gu’n d’ rinn mi gach ni a ghabhadh deanamh a chum mo bheatha dhion o ’n uile-bheist. An uair a thainig am feasgar, thainig an nathair mar a b’ abhaist dhi, agus chaidh i thimchioll na craoibhe an duil gu’m faigheadh i cothrom air m’ itheadh; ach an uair a chunnaic i nach robh cothrom aice air faighinn ’nam choir, stad i ’g am fheitheamh mar gu’m biodh cat a’ feitheamh luchann. An uair a shoilleirich an latha, dh’ fhalbh i; ach cha bu dana leam falbh as an aite ’s an robh mi gus an d’ eirich a’ ghrian. Bha mi gle sgith an deigh na fhuair mi de dhragh ’s de shaothair a’ deanamh aite tearmuinn dhomh fhein an latha roimhe sid; agus a bharrachd air sin, bha mi gun norradh cadail fad na h-oidhche, agus bha ’m faileadh breun a bha bhar na h-analach aig an nathair an impis mo thachdadh. Aig an am b’ fhearr leam a bhith marbh na bhith beo. Thainig mi ’nuas as a’ chraoibh; agus o nach robh a’ chuimhne bu lugha agam gu’n d’ earb mi mi-fhein an latha roimhe sid ri curam agus ri freasdal Dhe, ruith mi thun a’ chladaich gus mi-fhein a thilgeadh an comhair mo chinn am mach air a’ mhuir. Ach ghabh Dia truas dhiom, agus direach an uair a bha mi ’dol g’ am bhathadh fhein, thug mi an aire gu’n robh long a’ seoladh seachad dluth air an eilean. Thoisich mi ri glaodhaich cho cruaidh [TD 126] ’s a b’ urrainn mi, agus ri smeideadh le mo cheann-aodach, feuch an tugadh iad an aire dhomh. Gu fortanach chual’ iad mo ghlaodhaich, agus chuir an sgiobair bata g’ am iarraidh. Cha bu luaithe ’chaidh mi ard bord na chruinnich na marsantan agus na seoladairean mu ’n cuairt orm a dh’ fheorach dhiom, cia mar a thachair dhomh a bhith air an eilean fhasail ud. An uair a dh’ innis mi dhaibh a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh, thuirt an fheadhainn bu shinne dhiubh rium, gu’n cual’ iad iomadh uair iomradh air na famhairean a bha ’fuireach anns an eilean, agus gu ’m biodh iad ag itheadh nan daoine; agus gu ’m bu cho math leotha an itheadh amh ri ’n itheadh air an rostadh. Thuirt iad mar an ceudna, gu’n cual’ iad gu’n robh moran nathraichean air an eilean agus gu’m biodh iad ’g am falach fhein air an latha, agus a’ tighinn am mach as na tuill air an oidhche. Bha gach aon a bh’ air bord gle thoilichte gu’n d’ fhuair mi as na cunnartan lionmhor ’s an robh mi. Thugadh dhomh am biadh a b’ fhearr a bh’ air bord. Agus an uair a chunnaic an sgiobair gu’n robh an t-aodach a bh’ orm air a dhol ’na luideagan, thug e dhomh deise mhath dhe na bh’ aige fhein. Bha sinn greis mhath air muir, agus thaghail sinn ann an caochladh eileanan. Mu dheireadh chaidh sinn air tir ann an eilean do ’m b’ ainm, Salabat. Cha bu luaithe dh’ acraich sinn na thoisich na marsantan ri cur a’ bhathair air tir gus a reic, no malairt a dheanamh leis. Anns an am thainig an sgiobair far an robh mi, agus thuirt e, “A bhrathair, tha bathar agam air bord a bhuineas do mharsanta a bha aon uair a’ seoladh comhladh ruinn air an luing so. Agus o nach ’eil e beo, tha mhiann orm a reic, a chum gu’n toir mi na gheibh mi air a shon do na cairdean a’s dluithe a bh’ aige, an uair a gheibh mi fios co iad.” [TD 127] Bha ’m bathar a bha e ’g ainmeachadh ’na thorr faisge oirnn, agus an uair a chomharraich e ’mach dhomh e, thuirt e, “Reic thusa e cho math ’s theid agad air, agus paighidh mise thu air son do shaoithreach.” Thug mi taing dha air son gu’n d’ thug e dhomh cothrom air a bhith ’g obair, oir bu bheag orm a bhith ’nam thamh. Chuir an cleireach a bh’ air bord sios aireamh nam pocannan bathair, agus ainm gach fir do ’m buineadh iad ’na leabhar; agus an uair a dh’ fheoraich e dhe ’n sgiobair co ’n t-ainm a bh’ air an fhear do ’m buineadh am bathar a bha mise gus a reic, thuirt e, “Buinidh e do Shindbad, an Seoladair.” An uair a chuala mi bhith ’g am ainmeachadh ghabh mi ioghnadh gu leor; agus an uair a ghabh mi beachd air an sgiobair gu math, dh’ aithnich mi gur e dh’ fhag ’n am chadal air an eilean mi. Ach o ’n a thainig atharrachadh mor air o ’n chunnaic mi mu dheireadh e, cha do shaoil mi an toiseach gur e ’bh’ ann. Ach o ’n a bha esan a’ smaointean gu’n robh mi marbh, cha robh ioghnadh sam bith orm ged nach d’ aithnich e mi. “Ach, a sgiobair,” arsa mise, “an e Sindbad a b’ ainm do ’n duine do ’m buineadh am bathar so?” “Is e,” ars’ esan; “thainig e a Bagdad, agus chaidh e air bord comhladh ruinn ann am Balsora. Air latha araidh an uair a chaidh sinn gu tir ann an eilean a dh’ iarraidh uisge, dh’ fhag sinn gun fhios dhuinn anns an eilean e. Cha d’ thug mise no na marsantan a bh’ air bord an aire gu’n robh e ’g ar dith gus an robh sinn air seoladh greis mhath air falbh o ’n eilean. O ’n a bha soirbheas laidir ’n ar deigh, cha robh e comasach dhomh tilleadh g’ a iarraidh.” “Bha thu ’smaointean gu’n robh e marbh gun teagamh,” arsa mise. “Bha gu dearbh,” ars’ esan. [TD 128] “Cha ’n ’eil e marbh idir, a sgiobair,” arsa mise; “seall ormsa, agus faodaidh tu aithneachadh gur e mise Sindbad, a dh’ fhag thu air an eilean fhasail ud. Thuit mi ’n am chadal ri taobh aimhne beagan an deigh dhuinn a dhol air tir, agus an uair a dhuisg mi bha ’n long gu bhith as mo shealladh. An uair a bha ’n sgiobair greis a’ beachdachadh orm dh’ aithnich e mi, agus an uair a ghlac e mi ’na ghairdeanan, thuirt e, “Moladh do Dhia air son gu’n do ghabh e ’na fhreasdal curam dhiot, ged do dhichuimhnich mise thu. Tha do chuid bathair an sid. Ghabh mise curam dheth cho math ’s a b’ urrainn domh, agus rinn mi malairt leis anns gach baile-puirt anns an robh mi. Tha mi ’g a libhrigeadh dhut comhladh ris na bhuanaich mi leis a’ mhalairt.” Ghabh mi am bathar uaithe, agus thug mi mile taing dha air son a dhragha ’s a churaim. Sheol sinn a Salabat gu ruige eilean eile far an do cheannaich mi spiosraidh dhe gach seorsa. Chunnaic sinn iomadh ni iongantach anns an eilean so; ach cha n ’eil aobhar dhomh a bhith ’g an ainmeachadh. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, an deigh na h-uine fhada a bha mi air falbh, rainig sinn Balsora mu dheireadh, agus as a sin thainig mi gu ruige Bagdad; agus bha mo shaoibhreas cho mor ’s gur gann a rachadh agam air a chunntas. Thug mi suim mhor do na bochdan, agus cheannaich mi oighreachd mhor fhearainn.” An uair a chuir Sindbad crioch air eachdraidh an treas turuis-cuain a ghabh e, thug e ceud bonn oir eile do Hindbad, agus dh’ iarr e air tighinn an la-iar-na-mhaireach gu ’dhinneir, a chum ’s gu’n cluinneadh e eachdraidh a cheathramh turuis a bha e air falbh.