[TD 1] CEIT MHÒR SGEUL O LOCHCARON, LEIS AN URRAMACH T. M. FRISEIL, Eaglais Shaor, Yester. Eadar-theangaichte gu Gaidhlig airson Misi Taobh-an-Iar Alba. GLASGOW: AIRD & COGHILL, PRINTERS. [TD 2] [Bàn] [TD 3] PREFACE. I CONSIDER myself called on to mention that while engaged, at the request of the West Coast Mission, in translating the tradition of “Muckle Kate,” I came across a Gaelic anonymous version of it, published fifteen years ago at Inverness. I find, on comparing them, that the latter, so far as it goes, looks very like a translation of the former. Consequently I thought it best, as many must have perused the old translation, to follow it very closely, merely making such corrections as were grammatically necessary. In the old Preface there occurs a slight sketch of Mr. Lachlan’s life—the purport of which may, in few sentences, be not inappropriately given here. [TD 4] The Rev. Lachlan Mackenzie was born in 1754 in Kilmuir Wester, a Parish of Ross-shire. His father, Mr. Donald Mackenzie, a respectable and intelligent man, at that time occupied a farm on the property of Kilcoy. Mr. Lachlan—the appellation by which he is best known—received the elements of his education in the Parish School of Pettie, whither he was attracted probably because there his mother, Elizabeth Clark, a remarkably clever and well-educated woman, was born and brought up. Josiah-like, he was only eight years when brought under the power of the truth, and when only thirteen was prevailed upon to engage in public prayer. The precise age at which he entered the University of Aberdeen has not been ascertained ; but that his progress was very satisfactory is evident from his published English writings, as well as from his being known to have been so conversant with the Hebrew Bible as to use it at family worship. [TD 5] Before obtaining license he suffered a good deal at the hands of those members of the Presbytery who could not bear his pious life and evangelical doctrines, nor brook his constantly increasing popularity. But the three ministers who led the opposition were within one year removed by death, and the people of Lochcarron were greatly delighted to have Mr. Lachlan ordained their pastor in 1782—a connection terminated only by his death. A brief ministry of only three years intervened between his and that of the famous and faithful Mr. Sage. Many besides the people of his own parish believed that Mr. Lachlan had some special gift or mode of prophecy, their belief being based on such utterances as the following, and explained by the preacher’s nearness of access to the Lord, whose secret is with them that fear Him:—“Lochcarron young men, go to your knees this evening, and be earnest at a throne of grace. Great is your need to be so. A great breach is to be made upon you. [TD 6] There are five young men present here to-day that shall be in eternity before this day six weeks, and none of them above twenty-eight years of age.” A native of Easter Ross, who was then a road contractor in Lochcarron, was present that day in the church, and within five weeks of the time mentioned was present at the burials of the young men—three of whom were working for himself. Regarding the Parish of Redcastle when vacant, he predicted the arrival in it of the Gospel, which occurred in the appointment of the eminent Rev. John Kennedy, contrary to all expectation and although another had been fixed upon. Mr. Lachlan was laid aside from his manifold labours by a stroke of paralysis, fourteen months previous to his death, and could neither rise nor walk without support during the three last months of his life; but even then his heart was staid upon his God, and his faith firmly fixed within the vail. Being asked by a friend one day as he appeared near the end of his [TD 7] wilderness journey, how he did, his reply was, “I am taking a faith’s look into heaven.” At 11 a.m., 20th April, 1819, in the sixty-fifth year of his age, and thirty-seventh of his ministry, he departed this life to receive his reward and be for ever with the Lord. JOHN KENNEDY. LYNCHAT, KINGUSSIE, 9th September, 1879. [TD 8] ROIMH-RÀDH. BHA an t-iomradh a leanas air tùs air a sgriobhadh airson a “Christian Treasury.” Air do’n fhéin-fhiosrachadh shònruichte agus iongantach a tha air a chur sìos ann a bhi anabarrach taitneach do mhòran do chàirdean dlùth na diadhaidheachd, bha e air fhaicinn iomchuidh gu’n rachadh an naigheachd a chur a mach a rìs ann an dòigh ’s am bitheadh i na b’ fharsuinge air a leughadh, agus anns am bitheadh i na b’ fheumaile na ann an duileagan Paipeir seachduineach. Mu’s an do ghabh mi orm na fìrinnean neo-chumanta so a chur a mach thug mi a cheud aon do na leabhragan so fa chomhair peathar agus mac peathar Mhaighstir Lachluinn gu’s am faiceadh iad i. Tha cuimhne gle-mhath aig piuthar Mhaigstir Lachluinn—ged tha i nis fad air aghaidh ann am bliadhnaibh [TD 9] air na nithe, a tha air an ainmeachadh an so, agus bha i ann an coimhthional Lochcaroin an dearbh-là a shuidhe Ceit Mhòr aig a’ bhòrd. Tha cuimhne gle-shoilleir fhathasd aig Banmhaighstir M. air cho ro-shòlaimte agus stòlda ’us a bha ’n sluagh am feadh a bha Mr. L. a’ toirt seachad earail ro-dhrùighteach: agus tha i ’radh, ged a bha a ni ’thachair cho neo-chumanta agus gu’m bitheadh a bràthair ceart ann an dol air ’aghaidh mar a rinn e, air ’ughdarras féin, gidheadh gu’n robh e cho iarrtanach aig leithid do dh’àm air na h-uile ni cosmhuil ri neonachas a sheachnadh, ’us gu’n d’ iarr ’s gu’n d’ fhuair e aonta a mhinisteir a bha ’ga chòmhnadh aig an òrdugh, mu’s na chuireadh na “elemaidean” a rìs air a’ bhòrd, Tha mac peathar Mhr. L. mar an ceudna a’ daingeachadh fìrinnean na h-eachdraidh so a chual e o bhilibh Mhr. L. gle-ghoirid roimh a bhàs. Air do na dearbhaidhean so a bhi agam air fìrinn nithe a dh’ fheudas cuid a shaoilsinn a bu chòir a bhi air an àireamh am measg faoin-sgeulachdan ’tha cràbhaidh [TD 10] a mhàin ann an coslas, tha mi nis, gun agadh sam bith, ag aontachadh a réir iarrtuis mhòran gu’n rachadh an stòiridh bheag so a chur a mach ann an cruth na’s farsuinge ’us na’s maireannaich. Agus ann an lìnn ’sam bheil a leithid do bheachdan faoin ’us aotrum mu thimchioll an ath-arrachaidh mhòir sin—ath-bhreith, ’san uair a tha “dòigh téarnaidh air a dheanamh farasda” cho cumanta am measg nam mòr-chuideachd, is e mo dhùil dhùrachdach gu’n treòruich na fìreannean a chuir mi sìos mar so gu h-aithghearr chum glòrachaidh obair an Spioraid bheannaichte sin aig am bheil a mhàin an cumhachd àrd-uachdaranal a’s urrainn a choguis a dhùsgadh, an tuigse a shoillseachadh, agus an toil ath-leasachadh agus ath-nuadhachadh. T. M. FRISEIL. MANSE SAOR IESTEIR, Am Magh, 1847. [TD 11] CEIT MHÒR. GED nach eil ainm Mhaighstir Lachluinn Mhic Choinnich, ministeir urramaich Lochcaroin, iomraiteach ’s an Taobh-deas, tha e ro-chliùiteach am measg Ghaidheal Rois. Anns na ceithir siorramachdan mu thuath, is tearc iad am measg luchd-labhairt na Gaelig aig nach ’eil aithne, ann an tomhas àraidh, air Mr. Lachlann mòr mar dhiadhair urramach agus iongantach; ach ann an criochaibh Rois-an-iar—am measg nam beannta far an d’rugadh e, an do chaith e a làithean, an do shaothraich ’s an do bhàsaich e—tha fàile cùbhraidh ’ainme-san, agus iomradh air a bhriathraibh ’us a ghniomharaibh cudthromach, air an cumail ann am beò-chuimhne. Cha ’n eil teagamh ’sam bith agam na’n deanadh neach a bhitheadh làn fhreagarrach air a shon e féin a thoirt suas do’n [TD 12] ghnothuch, le còmhnuidh a ghabhail beagan sheachduinean ann an Siorramachd Rois, nach bitheadh e comasach air sgeulaibh ni’ bu leòir mu ’dhéidhinn ’fhaotuinn a dheanadh suas leabhar ro-thaitneach. Do na chuala mi air a bheul-aithris mu Mhr. Lachlann, tha mi tabhairt na leanas air ùghdarras ministeir urramaich diadhaidh, nach maireann, a bha an Ros, agus a bha ’na ’fhianuis air na nithe a ’s sònruichte a leanas, ach o’n àm sin a bha air a thabhairt gu co-chomunn a bhràthar, chum gàirdeachais a dheanamh ’na ghlòir agus comhpàirteachaidh ’na dhuais. Dlùth do thigh ministeir Lochcaroin bha seann bhean aingidh a chòmhnuidh, a bha air a meas ciontach do gach peacadh a tha air a thoirmeasg ann an clàraibh an lagha ach mort a mhàin. Do thaobh meudachd a pearsa ’s e Ceit Mhòr a thugadh mar ainm oirre. “Bha i ’na boirionnach grànda,” mar theireadh Mr. Lachlann, “gun mhaise ’sam bith an sealladh Dhia na dhaoine.” Cha’n eil e iongantach a chluinntinn nach deachaidh bean a teisteanais riamh a dh’ eaglais, agus [TD 13] gu’n d’ fhairtlich air uile oidheirpean a mhinisteir a h-aomadh gu dol eadhon còrr uair do thigh Dhé. Bha innleachd an déigh innleachd air am feuchainn, ach gu diomhain; dh’ fhàilnich earailean, deòir, dol tric ’ga sealltuinn agus geur-labhairt gu minic ri’ cognis, ann an cridhe ’h-aon a ghluasad a thàinig a réir coltais a dh’ ionnsuidh na h-inbhe uamhasaich sin mu’m bheil an t-abstol a’ labhairt, “a mhuinntir sin a tha gu h-iomlan air an tabhairt thairis leis an Spiorad, agus do nach ’eil e’n comas sgur do pheacadh.” Mu dheireadh ghnàthaich Mr. Lachlann innleachd nach b’urrain teachd ach ann an inntinn neo-chumanta mar a bha aige-san, agus a tha ’cur fa’r comhair dian-iarrtuis a’ mhinisteir dhìleis gu’m biodh anam neo-bhàsmhor air a thèarnadh. Bha e ’na chleachdadh am measg nan Gaidheal ’s an linn a chaidh seachad a bhi a’ cruinneachadh am beul na h-òidhche ann an tighibh a chéile, agus na h-oidhchean fada geamhraidh a chur seachad a séinn nan seann òran Gaidhealach, agus ag innseadh d’ a chéile seann sgeulachdan na [TD 14] dùthcha. Cha deachaidh an cleachdadh so fathast as ann an cearnaibh do’n dùthaich, ged a tha e mar a tha a’ chuid a’s lìonmhoire do sheana chleachdaidhean na Gaidhealtachd a’ dol air cùl. Bheireadh na boirionnaich leotha gach té a cuigeal ’s a fearsaid, agus bhiodh na fir aig amanaibh a’ càradh am bròg no ’deanamh chliabh ’us chreithleag. ’Se ainm a chleachdaidh so “dol air ’chéilidh,” agus b’ abhaist do Cheit i féin a thoirt da le uile ’dhìchioll seana mhna-céilidh. Rinn Mr. Lachlann, a bha ro-eolach mu chleachdadh feasgair Cheit, agus aig an robh inntinn airson bàrdachd, e féin òran Gaelig anns an robh uile pheacanna follaiseach Cheit air an ainmeachadh ’s air an sgiùrsadh cho garbh ’s a b’urrainn am fear a rinn an t-òran. Chuir Mr. Lachlann an t-òran so air fònn, agus air cur fios da os ’n-iosal air cuid do’n òigridh d’am b’àbhaist dol air chéilidh comhla ri Ceit, ghabh e saothair mhòr ’ga ’ionnsachadh dhoibh, agus dh’ iarr e orra iad ’ga shéinn dhi a’ cheud chothrom a gheibheadh iad. Bha so ’na h-oidhirp iongantaich, agus feudaidh [TD 15] cuid a’ smuaineachadh gu’n robh i neo-cheadaichte gu anam a chosnadh; gidheadh shoirbhich i. Chaidh na briathran le cumhachd maille ri mòr-ioghnadh dhachaidh gu coguis an t-seana bhoirionnaich, agus air dhoibh teachd o chearnaidh o nach robh sùil sam bith riu dh’ fhàg so a bhuille geur agus cuimseach; fhuair an t-saighead alt anns an lùirich, agus air dhi ’bhi air a cur air aghaidh le làimh an Spioraid, chaidh i domhain, domhain a steach ’san t-seann anam sheargta a sheas riamh gu so an aghaidh gach impidh. Bha agartas Cheit a nis cho anabarrach ’s a bha a cruas mi-chùramach roimhe. Bha trioblaid a h-inntinn da-rìreadh uamhasach. Bha aonaranachd fhàsail Lochcaroin ann an co-fhreagarrachd iongantaich r’ a faireachduinn. Am measg beannta an fhàsaich uaignich ud, tha an loch o am bheil an sgìreachd air a h-ainmeachadh a’ ruith a steach; agus mar a bhriseas fad-thònna a’ chuain-an-iar a chladach, agus a shìneas na monaidhean donna air a chùl ’nan aon fhairge neo-chriochnaich do fhraoch, is gann a tha fios aig an fhear- [TD 16] thuruis cia an làmh air an tionndaidh e airson inntinn eutromachadh o’n t-sealladh thiamhaidh so—a chum a’ chuain dhùldaidh a tha mu choinnimh gu’s am bris beannta gruamach arda an eilein Sgiathanaich a shealladh, no dh’ ionnsuidh nan sléibhtean fàsail a tha ’g éiridh mar thuinn air a chùlaobh, gu dorcha, aonaranach agus lom. Is ann am measg nan ionadan fàsail so a chuir Ceit a nis seachad a’ chuid bu mhò d’a h-ùine. Agus carson a chaidh i mach gu ionada sàmhach an fhàsaich? “Dh’ iarr i,” mar a rinn Ioseph, “àit anns an guileadh i.” Chluinnteadh àitean fàsail Lochcaroin, re uairean le chéile, a freagairt do mhac talla le guth a caoidh; agus is maith a b’aithne do luchd-còmhnuidh nam bothan aonaranach am measg nam beann, co na bilean o’n robh an sgread chràiteach ud air a fàsgadh; b’ ann o bhean chumha chianail nan gleann a thàinig i—Ceit Mhòr a bha roimhe so gle chruaidh. Dh’ amhairc i airsan a rinn i lot, agus a nis rinn i caoidh air a shon mar a ni neach caoidh airson aon-ghin mic, agus bha i ann an searbhadas air a shon mar [TD 17] neach ann an searbhadas airson a cheud-ghin. Bha deuchainn fhad agus théinteach air a sònruchadh airson na bana-pheacaich phillte. Domhain ’us mar a bha a geur-mhothachadh, cha robh a choltas air gu’n rachadh e idir n’a bu lugha; chaidh seachduinean, mìosan agus eadhon bliadhnachan seachad, ach fathast bha trioblaid a’ pheacaich leònta cho geur agus cho ùr ’us a bha i riamh. “Cha do tharruing truaghan riamh anail cosmhuil rithe; dh’ fheudadh dòchas a bhi ann do dhream eile, ach O, airson Ceit Mhòir cha robh dòchas!” Bha so da rìreadh iongantach ann an aon a bha eadar ceithir fichead, agus ceithir fichead ’s a deich an uair a chaidh a dùsgadh; oir is aithne dhoibh-san aig am bheil a ’bheag ’sam bith do dh’ eolas air nàdur an duine, nach eil suidheachadh ’sam bith ann an seadh spioradail cho mi-choltach ri cor neach a dh’ fhàs sean ’s a’ pheacadh, aig am bheil a choguis air a dùnadh roimh an fhìrinn, agus aig nach dearg aon-chuid an Soisgeul no an Lagh air aon do bhuadhaibh anama. Cha lugha na miorbhuil ann an [TD 18] saoghal nan gràs a dhùisgeas faireachduinnean a tha air an tiormachadh suas le aois agus peacadh. Bha cùis Ceit da-rìreadh ’na h-aon a bha air leth; bha i “’na h-ioghnadh do mhòran”—’na h-ioghnadh d’a coimhearsnaich, ’na h-ioghnadh do dh’ eas-creidmhich, ’na h-ioghnadh do’n eaglais, ’na mòr-aobhar ioghnaidh d’a ministeir, agus os ceann uile ’na h-ioghnadh dhi féin. Ach cha do dh’ innseadh an gnothuch uile fhathast. Am bi iongantas air mo luchd leughaidh a chluinntinn gu’n do ghuil i gus an robh i cho dall ri cloich? Ach is ann mar so a bha, gun lide a chur ris—ghuil i air falbh fradharc a sùl. Ceit bhochd! Cha ghuil na sùilean gun fhradharc ud ni’s mò; cha fhreagair mac-talla ni’s mò do fhuaim cràiteach do chaoidh am measg beannta fàsail do dhùthcha; oir shiab Dia féin gach deur o d’shùilibh: agus an uair a liubhras uaighean uaine Lochcaroin do dhuslach beannuichte, gleusaidh tu le ro-aoibhneas do ghuth ri clàrsaich Dhé, ’n ad sheasamh air an fhairge ghloine sin ’san ionad anns nach bi pian, no bròn, no [TD 19] éigheach ni’s mò, oir théid na ceud nithe thairis. Dh’ ainmich am ministear urramach, air ùghdarras am bheil mi ag innseadh na naidheachd so, gu’n d’ fhuair e cuireadh gu cuideachadh aig Suipeir an Tighearn ann an Lochcaroin, ’s an àm an robh Ceit ’s an trioblaid a chaidh ainmeachadh. Air dha ’bhi ’g ìmeachd le Mr. Lachlann ’s a’ mhonadh, chual e astair uaith acain boirionnaich ann an suidheachadh cràiteach. “Éisd,” arsa am ministear coigreach, “an cluinn thu ’n glaodh ud? Ciod a th’ ann?” Thuig Mr. Lachlann gu math e;—“Leig leatha,” ars’ esan, “chosg a’ bhean ud iomadh deur dhomhsa; guileadh i air a son féin a nis.” Gidheadh riamh o’n àm sin, chum e ’shùil oirre, agus bha e anabarrach caoimhneil rithe, mar athair ag amharc ’us a’ deanamh faire thairis air gach ni a bhuineadh dhi airson tìme agus sìorruidheachd. Aig àm àraidh air dhi dol do chitsin a’ mhinisteir, ’us i feitheamh gu còmhradh ris, tha e air innseadh gu’n robh a h-aire [TD 20] air a tarruing le fuaim lìnn do thunnagan òga a bha tighinn dlùth dhi far an robh i ’n a suidhe. Gun fhios aice gu’n robh duine ’sam bith ’ga cluinntinn, thòisich am boirionnach bochd dall, ag ràdh,—“O mo thunnagan bochda, is sibh na creutairean sona, sona; cha do cheus sibh-se Slànaighear mar a rinn mise; b’ fhèarr do Cheit Mhòir gu’n robh i ’na tunnaig cosmhuil ribh-se; oir, O, an sin cha bhitheadh aon pheacadh aice ri freagradh air a shon—cha bhitheadh peacadh, cha bhitheadh peacadh.” Feudaidh an naidheachd so a bhi suarach le cuid, no theagamh àbhachdach; ach cha ’n ’eil an fhaireachduinn a tha i foillseachadh mar sin; oir is lìonmhor iad na peacaich a chaidh a dhùsgadh aig an robh iarrtas Ceit dhall, a rachadh gu toileach ann an cruth coin no cloiche, oir an sin,—“Cha bhitheadh peacadh aca ri freagairt air a shon—cha bhitheadh peacadh, cha bhitheadh peacadh.” Anns an treas bliadhna d’a h-àmhghar bha déigh mhòr aig Mr. Lachlann gu’n suidheadh i aig bòrd an Tighearn, agus air [TD 21] an aobhar sin ghnàthaich e gach uile reusanachadh chum a h-aomadh gu cuimhne a chumail air gràdh Chriosd ’na bhàs. Ach cha b’ urrainn ni ’sam bith impidh a chur oirre gu aontachadh. “’N e ise a rachadh air a h-adhart a dh’ ionnsuidh a bhùird naoimh sin—ise aig an robh a làmhan suas gu ’guailinibh ann am fuil Fear-saoraidh! Dheanadh a làthaireachd-sa an t-òrdugh beannaichte a thruailleadh, agus bu leòir e gu’n coimhthional uile a shalachadh! Cha suidheadh, cha suidheadh ise gu bràth aig a’ bhòrd; cha robh an comanachadh air a son-sa!” Ach bha am ministear gu a rùn fhaotainn air a choimhlionadh ann an rathad air nach do smuainich e riamh. Thàinig an t-Sàbaid, dhlùthaich àm cruinneachaidh, ach bha Ceit cho daingean ’na barail ’s a bha i roimhe. Cha’n aithne dhomh-sa an dearbh àit anns an do chruinnich an coimhthional Gaidhealach air Sàbaid a’ chomanachaidh ud; ach co-dhiù, mar bu ghnàth, aig a leithid sud do dh’ àm chaidh na buird a sgaoileadh (shuidheachadh) anns a’ mhachair fhosgailte [TD 22] am measg beannta fiadhaich Lochcaroin. Am faca riamh neach do mo luchd-leughaidh bòrd na Sacramaid ’ga riarachadh, aig nach do shuidhe ach a mhàin aon chomanaiche? Ach chunnacas leithid so do shealladh air an là ainmeil ud, agus, b’i Ceit bhochd agus Mr. Lachlann a mhàin a bha mu na ghnothach. Bha na bùird uile air an riarachadh, bha na samhlaidhean air an tabhairt air falbh, phill am ministear do’n bhùth (tent) gu tòiseachadh air an t-searmon co-dhùnaidh; agus bha na h-uile a’ feitheamh ri ceud bhriathraibh an fhir-labhairt an uair a chualas gu h-obann glaodh eu-dòchais ann an iomal a’ choimhthionail—sgread o bhoirionnach ann an cruaidh-chàs, a chualas gu soilleir air feadh a’ choimhthionail, agus do’n do fhreagair mac-talla nan creag mar gu’m b’ann ann an co-fhaireachduinn. ’Se guth Ceit Mhòir a bh’ ann, leis an do shaoil a nis gu’n robh gach ni seachad—gu’n robh an cothrom caillte agus nach tilleadh e gu bràth tuïlleadh. Ghabh an co’-thional iongantas; leum na ceudan air an cosaibh, agus dh’ [TD 23] amhairc iad gu geur a dh’ ionnsuidh an ionaid bho’n cual iad an sgread. Ach cha b’ e sin do’n mhinistear e; dh’ aithnich Mr. Lachlann an guth ud, agus is math a thuig e aobhar a cràidh. Gun fhocal a’ ràdh thàinig e mach as a’ bhùth, agus chaidh e nùll air feadh an t-sluaigh gus an d’ ràinig e an t-àit; agus air dha Ceit a’ ghabhail gu caoimhneil air làimh, threòruich e i am measg a’ cho-thionail, a bha fo mhòr-ioghnadh, a dh’ ionnsuidh bòrd a’ chomanachaidh, agus chuir e i ’na suidhe ’na h-aonar aig a’ cheann. Dh’ àithn e ’n sin na samhlaidhean a bhi air an tabhairt a làthair agus air an cur air a’ bhòrd; agus an sin shuidh an t-aon chreutair dall aonarranach ud am measg nam mìltean leatha féin. Bha gach sùil a bha ’san t-sluagh mhòr ud ag amharc le iongantas air an aon bhean-chomanachaidh—ach ise gun fhios gu’n robh iad-sa mar so ’ga h-amharc. O! nach robh agam peann Bhunain no Bhostoin gus an cuirinn sìos na tròm-fhaireachduinnean domhain sin a bha ’snàmh ’na h-ùchd a bha an impis sgàineadh. Cha d’ fhoillsicheadh riamh nithe diomhair a’ [TD 24] chridhe ud; ach is mi a tha cìnnteach, ma tha aon earrann do’n Sgriobtur a’s mò tha ’gabhail a steach na chéile an fhaireachduinn a bha os ceann gach uile faireachduinn ’na h-inntinn aig an àm chudthromach ud, ’san robh leithid do thogail spioradal aice, gur e breithneachadh aoin aig an robh deadh fhios ciod e ’bhi air ’irioslachadh ’san duslach mar a bha Ceit: “Is ràdh fìor so agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu’n d’ thàinig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thèarnadh pheacach D’AM MISE AN CEUD-FHEAR.”—1 Tim. i. 15. Bha na briathran a ghabh Mr. Lachlann mar stéidh-theagaisg an ìre mhath cho iongantach ris a’ chuid eile do na thachair; b’iad briathran Mhaois ri Pharaoh (Exod. x. 26): “Cha ’n fhàgar ionga ’nar déigh”—co-chòrdadh aithnichte ri brìgh nam briathran: “Ghléidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h-aon diubh.” Is duilich leam nach ’eil e ’nam chomas a’ bheag ’sam bith do’n t-searmoin iongantaich ud anns an d’ fhuair am fear-labhairt saorsa anabarrach [TD 25] comhraichte, a chur an làthair an leughdair. Ach b’ e suim an teagaisg, gu’n robh iadsan uile a bha air an tabhairt anns a’ chùmhnant leis an Athair shìorruidh do’n Mhac, cho sàbhailt ’us ged a bhitheadh iad a cheana ann an nèamh, agus nach bitheadh aon anam diubh air a thréigsinn no air fhàgail gu dol a dhìth—“cha bhi, cha bhi fiù Ceit Mhòr!” ’Se bòrd Ceit Mhòr a theirteadh riamh tuilleadh ris an t-seirbhis iongantaich so, agus tha e air aithris gu’n robh cho math ri dà cheud anam air an dùsgadh gu cùram spioradail leis an aon searmon ud, agus gu’n do lean mòran dhiùbh air an adhart gu diadhachd dhomhain agus fhìrinnich. B’ aithne do’n mhinistear a chaidh ainmeachadh e féin naoinar dhiubh-san a fhuair an ceud mhothachadh air an staid aig seirbhis a’ bhùird ud, agus bha iad uile an uair a b’ aithne dha-san iad anabarrach cliùiteach ’san diadhachd. Bha Ceit Mhòr beò mu thrì bliadhna an déigh dhi an ceud chomanachadh a’ ghabhail, a’ sealbhachadh “na sìthe sin a chaidh thar gach uile thuigse,” agus a làn-fhoillseachadh na h- [TD 26] uile comhara gu’n robh a caithe-beatha dlùth agus iriosal maille ri Dia. Tha e air a’ ràdh gu’n robh i ro-shona ’dol a dh’ ionnsuidh a’ bhàis. Ach tha bàs an aingidh gu tric sìochail. Feudaidh nach bi “cuibhrichean ’na bhàs,” agus feudaidh càirdean comh-fhulangach ’us coimhearsnaich dhàimheil an teaghlach aonaranach a thogail suas leis a’ chomhfhurtachd ro-mhìllteach ’us mhearachdach sin gu’n do “bhàsaich e mar uain;” an uair a tha uamhasan sìorruidheachd chaillte mar dhealanaich a nis a’ dèarrsadh a stigh air an anam nach gabh a bhi air a mhealladh tuilleadh, ged gus a so dh’ fhuirich a chlò-chodal marbhtach cho neo-atharraichte agus nach robh e air a dhùsgadh ach le criothnachadh uamhannach an tumaidh dheireannaich ann an sloc gun ghrùnnd a’ bhròin. Air an làimh eile feudaidh am fìor-chriosduidh, cosmhuil ri ’shaimpleir anns an Turus, làn-dearbhachd a’ dhòchais a bha [TD 27] fad aige a chall an àm a chaochlaidh shòlaimte sin, agus feudaidh an neul a luidh air a spiorad a’ chuairteachadh gus a’ chrioch. Gidheadh cha dean dòrchadas uair a’ bhàis ach an t-eadar-dhealachadh glòrmhor agus aoibhneach ’fhoillseachadh ni’s ro-shoilleir a tha ’feitheamh air, an uair a théid an t-anam làn-shaoirte agus air a chur fa sgaoil o bhuaidh teagamhan claoidhteach ’us eagalan a tha sàruchadh creidimh anmhuinn, a dh’ ionnsuidh an t-subhachais ghlòrmhoir ’tha ’slugadh suas an anma a’ dol a nis laiste le sòlas a stigh gu séilbh air òighreachd ’us aoibhneas do-labhairt a Thighearna. Co-cheangailte ris an dà chor so feudaidh mearachd àit ’fhaighinn. Feudaidh suaimhneas sàmhach a’ pheacaich a bhi air a ghabhail airson comhara comhfhurtachail air e ’bhi sàbhailt; an uair a dh’ fheudas an neul dòrch fo’n do bhàsaich am fìor-chreidmheach dòchas an luchd-bròin a tha air am fàgail a chrathadh, agus àit a thoirt do’n bhròn a tha os ceann na h-uile bròn—bròn gun dòchas. Ach ged a chuala mi mu thimchioll sìthe fhèallsa agus mu an- [TD 28] dòchas neo-dhlìgheach cha chuala mi riamh mu dhéidhinn buaidh gun bhònn ann an uair a bhàis. Tha m’ fhiosrachadh gu léir agus m’ uil’-eolas cho fad an aghaidh so agus gu’m bheil mi a’ smuaineachadh gu’m feud sinn breithneachadh gur e bàs buadhach aon chomhara a’s dearbhta ann am féin-fhiosrachadh neach air e ’bhi ’gabhail a stigh gu sìorruidheachd do ghlòir. Mar so bha bàs Cheit Mhòir. Cha ’n e mhàin gu’n robh i làn-chìnnte ’s riaruichte a thaobh a sàbhailteachd shìorruidh, ach ràinig i air an ni sin a bu chòir a bhi ’na aobhar fàrmaid do na h-uile—’làn-dearbhachd a bhi cho cinnteach ’us gu’n a sgur Féin do bhi faighinn àite ’na h-inntinn idir; agus bha i cho mòr air a slugadh suas le glòir Fear-saoraidh ’us eadhon dhi féin gu’n robh i mar neòni; bha Criosd na h-uile anns na h-uile. B’e glòir Chriosd a bha aice ’san t-sealladh ’us bha ’ga riaghladh anns na h-uile ni. Bha ’n t-aoibhneas do-labhairt a dheònaicheadh dhi ’na mheadhon beothachaidh air a h-anam a bha a nis a’ dol dachaidh gu bhi ’cur an céill, le tuilleadh toileachais, cliù an t-Slànaighear a fhuair i. [TD 29] Agus an uair fadheòidh a thàinig a’ ghairm shòlaimte ach shòlasach, agus an uair a bha i nis ’na seasamh air stàirsnich glòir gun chrioch mu’s an do ghabh na geata a spiorad saoirte, uile as an t-sealladh, chualas mar a h-oidhirp dheireannach air taobh Chriosd an glaodh so o a bilibh anmhuinn: “Innisibh, innisibh do mhuinntir eile gu’n d’ fhuair mise E.” Thoiribh aire shònruichte do’n fhacal “mise,” agus thugaibh fa’near an “saoghal do bhrìgh” a tha air a thional suas anns na briathraibh deireannach so. Cruinnichibh a stigh anns an aon lide sin ceithir fichead bliadhna ’s a deich do pheacachadh, agus ruigidh sibh an sin air a làn-bhrìgh. Innisibh dhoibh gu’n d’ fhuair ceann-feadhna nam peacach—a bha air a h-àireamh am measg luchd-misg, neo-ghloine, bristidh Sàbaid, goid ’s fanoid, am measg bhreugaire ’s an dream a tha ’g àicheadh Dhé—innisibh dhoibh gu’n d’ fhuair mise, a bha beò ’s na h-uile peacadh, Slànaighear—gu’n d’ fhuair eadhon mise eolas air gaol Fear-saoraidh. “Is fior an ràdh so, agus is airidh e air gach [TD 30] aon chor air gabhail ris, gu’n d’ thàinig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach d’am mise an ceud-fhear.”—1 Tim. i. 15. A’ CHRIOCH.