[DA 1] GUTH NA BLIADHNA VOLUME IV 1907. [DA 2] [Bàn] [TD 1] Guth na Bliadhna LEABHAR IV.] AN GEAMHREADH, 1907. [AIREAMH 1. SINN FEIN ANN ar n-àireamh so chaidh, ghabh sinn mir de chùis nan Gàidheal fo ar beachd; agus, am paipeir d’an d’thug sinn The Gael and the English Party System mar ainm, chuir sinn an céill na smuaintean ¦a bh’againn mu’n ghnothach. Thubhairt sinn nach robh e ni math no freagarrach do na Gàidheil a bhi daonnan a’ sealltuinn air na Sasunnaich mar an luchd-gleidhidh; agus a bhi daonnan a’ leantuinn gairm airson seasamh cùisean nan Sasunnach ceart mar gu’m b’e fuaim na druma a bh’ann. Bha e air fhoillseachadh aig an àm, mar an ceudna, an dochann is an call a tha an dùthaich againn a’ fulang an lorg a’ chleachdaidh mhi-fhortanaich, neo-urramaich, ud. Thug sinn brath, cuideachd, gu’m bheil ar cùisean féin a’ dol air dhith agus air dhearmad, mar is mò a tha “gnothaichean na h-Iompaireachd”—is e sin ri ràdh cùisean Sasunnach—a’ faighinn a staigh do’n Phàrlamaid Shasunnaich, agus gur h-ann is motha a tha iad a’ meudachadh sa daingneachadh nan gad. Aig deireadh ar paipeir, thubhairt sinn gu [TD 2] soilleir nach robh, an ar beachd, rathad sam bith as a’ chruaidh-chàs anns an d’fhuair sinn gnòthaichean ar dùthcha, saor o chur as do’n Aonadh a chaidh a dheanamh eadar Albainn is Sasunn anns a’ bhliadhna 1707. Thàinig (taing do Dhia!) dùsgadh mòr air a’ Ghàidhealtachd; agus ma thàinig, is e ar beachd-ne gu’m bheil sinn dol a dh’fhaicinn àth-bheothachadh mòr an Albainn air fad, chan ann a mhàin a thaobh ar càinnt is ar cleachdainnean fhéin ach a thaobh nan nithe sinn uile a tha gar comharrachadh a mach mar mhuinntir air leth. Gu fior, is maith an ni gu’m biodh a’ Ghàidhlig aig a h-uile fear; ach, a thuilleadh air sin gu’m biodh làn fhios aig gach duine cia mar a chaidh gnòthaichean Stàideil ar dùthcha a stiùireadh anns na làithean a dh’aom. Thug sinn fios air sin a cheana; agus tha sinn a’ cur romhainn a’ chùis a mheudachadh sa leasachadh cho tric sa bhitheas ùine is cothrom freagarrach againn. Am fear aig nach ’eil làn fhios air eachdraidh a dhùthcha, is duine leth-chiallach esan, air cho mòr is gu’m bheil a ghreim air cànain nan gleann. Is maith an comharradh leinn gu’m bheil a’ Gàidhlig a nis ga h-ionnsachadh, chan e a mhàin an sgoilean na dùthcha, ach anns gach cearn de’n t-saoghal air fad far am bheil clann nan Gàidheal air an cruinneachadh ri chéile; agus, a bharrachd air sin, tha “Ath-bheothachadh” eile ann, ris an abrar Sinn Féin, is a sin ri ràdh, éiridh-suas is eiridinn ar cùisean is ar cleachdainnean féin air fad. Chaidh Brosnachadh ùr a chur a mach o chionn seachduin no dhá, a chaidh a chur r’a chéile le Morair Mhàirr, agus [TD 3] a chaidh fhoillseachadh anns gach paipeir-naigheachd air feadh a’ chuid a’s mò de’n dùthaich. Chaidh a sgriobhadh an Gàidhlig; agus, a los gu’m bi làn fhios aig ar luchd-leughaidh a tha thar a’ chuain m’a thiomchuill, tha sinn a nis ga chur a sios an so. BROSNACHADH A Mhuinntir ar cridhe is ar gràidh! Tha sinn am beachd nach cuir sinn tuille dàlach ann a bhi ’cur an céill ar smuaintean mu chùisean cudthromach àraidh ar dùthcha. A nis, tha fios aig na h-uile neach gu’m bheil Ath-bheòthachadh mòr ann a thaobh na Gàidhlig, is nithean Gàidhealach. Faodaidh sinn a ràdh, mata, nach biodh e aona chuid iomchuidh no freagarrach a bhi ni’s fhaide nar tosd, gu h-àraidh nuair a tha muinntir na h-Eirinn agus na h-Odhailt a’ togail an guth, agus a’ deanamh stri mòire gu riaghladh an cùisean fhaotainn ’nan làmhan féin. Chaidh, uime sin, Buidheann Ur—Buidheann tur Albannach—a chur air bonn; agus is iad so na cuspairean a th’againn san amharc. 1. Riaghladh nar gnothaichean fhaotainn nar làmhan féin. 2. An ceum-toisich a thoirt do’n Ghàidhlig, agus do shàr-bheachdan nan Gàidheal an Albainn. 3. Cho fad a’s urrainn an t-seann Riaghailt Gàidhealach a chuir air chois as ùr; agus leasachadh ar dùthcha a chur air adhart, is chan ann idir a réir dòigh nan Sasunnach, ach mar bu mhath leinn féin—Sluagh na h-Alba. [TD 4] 4. Gu’m biodh e fiachaichte a’ Ghàidhlig a’ bhi air a teagasg anns gach sgoile sna h-uile sgireachd air feadh na Gàidhealtachd. 5. Ceart ’s mar a tha a’ chànain Odhailteach fiachaichte air gach duine aig am bheil dreuchd no oifig Stàideil air bith anns an Odhailt, gu’m biodh a’ Ghàidhlig mar fhiachaibh, air gach duine aig am bheil, no aig am bi, dreuchd no oifig Stàideil air bith air feadh dùthaich nan Gàidheal. Foghnaidh sin airson ar ciad dol-a-mach aig an àm. 6. Càirdeas blath-chridheach a chur air adhart agus a sgaoileadh eadar muinntir na h-Alba, luchd-aiteachaidh na h-Eirinn, agus na h-Odhailt, le sùil ri cuspairean àraidh is criochan cumanta a chur an gniomh le chéile. A Mhuinntir ar gràidh! Is iad so na cuspairean a th’againn mar Bhuidhinn fa leth. Tha sinn a’ gairm air gach fior Ghàidheal gu bhi dhuinn ’na chùl-taice, agus e fhéin a chur an ordugh gu dol air aghaidh maille ruinn a bhogadh nan gad. A chlanna nan Gàidheal, an guaillibh a chéile! Fo-sgriobhta airson Comunn Chàirdean nan Gàidheal. IAIN, MORAIR MHÀIRR. BRÀIGH MHÀIRR, 15 là an Fhaoiltich, 1907. Tha na stéidhean a tha aig bonn a’ Bhrosnachaidh so furasda ri’m faicinn, agus a tha iad air-leth aithnichte am measg gnothach a chaidh fhoillseachadh anns na làithean a dh’aom. Anns a’ chiad àite, tha’m Morair Mhàirr an inbhe os ceann uaislean na h-Alba uile: tha aigesan an tiodal Gàidhealach a’s sine a [TD 5] th’air uachdar an t-saoghail an diugh. Dh’falbh na cinn-chinnidh: is dh’atharraich cùisean is aimsirean, agus tha cuid gan sloinneadh féin orra ged nach robh iad riamh air an gineamhuinn leo airson chloinne ris nach buinn iad idir air thus. Ach, air an làimhe eile, tha Morair Mhàirr a’ tighinn a nuas gun stad no bhristeadh air bith ’na ghinealach, o’n Dòmhnull ud a fhuair bàs air blàr iomraideach Chluain Tairbh anns a’ bhliadhna 1014, agus a chaidh a mharbhadh a’ cogadh gu treun air taobh nan Eireannach an aghaidh feachd nan Lochlannach. Ged nach bitheadh reuson sam bith eile ann, bu choir meas mòr a bhi againn, agus aig gach fior Ghàidheal, airson na tha’m Morair so—an t-aon mu dhéireadh de na Morairean Gàidhealach uile—ag ràdh an dòigh cho soilleir is drùighteach “mu chuisean cudthromach ar dùthcha”. Ach, a thuilleadh air so, agus saor o sin a chaidh innseadh a cheana, tha e soilleir gu’m bheil am Brosnachadh so làn de dh’fhior sheagh is mòr-bhrigh. Gu dearbh, bu choir gu’m biodh sinn uile a’ togail ar guth agus a’ deanamh stri le sùil ri “riaghladh ar cùisean fhaotainn nar làmhan féin”. A dh’aon fhocal, tha e toirt oirnn dol a chur ar seul ris na tha’m Morair ag ràdh, agus sin gu cridheil, gun chleith, gun teagamh, air bith. Tha sinn làn chòrdadh ris-san anns a h-uile rathad; agus chan ’eil lideadh ann (a réir ar beachd) nach bu choir a bhi ann. Is e so a’ chiad Bhrosnachadh a chaidh fhoillseachadh an Albainn riamh mu’m bheil e, chan e a mhàin comasach, ach freagarrach a ràdh: “chaidh am Brosnachadh so a chur a mach air ar son féin a mhain!” Buaidh is piseach air, mata, agus orrasan a chuir e [TD 6] r’a chéile, agus a rinn e follaiseach air feadh dùthaich nan Gàidheal. An Eirinn air an làtha an diugh, tha na stéidhean sin a tha aig bonn a’ Bhrosnachaidh so measail gu leòr aig an t-sluagh. Tha a’ chuid a’s mò de’n mhuinntir a chaidh a staigh do’n Chomunn Ghàidhealach gan cumail a suas, ged nach ’eil an Comunn sin a’ gabhail gu follaiseach agus gu dreuchdail riu. Is e cuspair a’ ghluasaid sin ris an canar Sinn Fein, stiùireadh no riaghladh air an cùisean fhaotainn ’nan làmhan féin; agus gach ni eile a tha’m Brosnachadh so ga comharrachadh a mach dhuinn féin, tha iad sin uile a cheana mar chuspair coirichean aig a’ chuid a’s mò de Ghàidheil na h-Eirinn. Tha na daoine so creidsinn, nach ann ri Sasunn no ri dùthaich no sluagh air bith eile a bheireadh iad sùil airson sochair is leasachadh na h-Eirinn, ach ri’m muinntir féin a mhàin; agus a los a’ chuis a shoilleireachadh (mu’n bheil is dòcha tha mòran d’ar luchd-leughaidh làn thogarrach gu bhi foghlum) tha sinn a’ cur romhainn a mineachadh anns an dòigh a’s giorra agus a’s soilleire a dh’fhaodas sinn a chleachdadh. An toiseach, mata, thàinig an gluasad so gu h-Eirinn à Ungaraidh; agus is ann an sin a chaidh ’àrach, o chionn mòran bhliadhnaichean air ais a nis. B’e duine d’am b’ainm Deak a thug an ceum-toisich anns an dùthaich ud, agus a thug an gluasad so gu coimhliontachd mar inneal airson math na dùthcha. Shaoil leis nach bu choir d’a dhùthaich fhéin a bhi fo chis agus fo smachd nan Austrach ni’s mò, gu h-àraidh nuair a bha iad a’ reubadh agus a’ creachadh na dùthcha air fad an dòigh air nach d’thugadh [TD 7] riamh bàrr eadhon an eachdraidh fhuiltich, thrioblaidich an t-sluaigh ud. Mar so, chuir e a dhà chos air Còrdadh a chaidh a dheanamh eadar Austria is Ungaraidh anns a’ bhliadhna 1848, agus sheas e a mach gu duineil mar fhear-saoraidh a dhùthcha à sin suas. Bu ghràin leis gu’n robh na h-Austraich a’ mi-riaghladh na dùthcha air fad, agus a’ deanamh calg-dhireach mar nach d’rachadh an Còrdadh sin a dheanamh riamh. Thubhairt e gu foilleasach nach robh e comasach do neach air bith an Còrdadh sin a chur gu taobh agus a chleachdadh mar ni ris nach ruigeadh iad a leas a gabhail, gun chead uathasan leis an deachaidh a shuidheachadh—is e sin ri radh, muinntir na h-Iompaireachd gu léir. Gun an ceadsan, thubhairt e gu’n robh gach lagh a chaidh a dheanamh leis na h-Austraich airson muinntir Ungaraidh, buileach mi-laghail; agus nach robh e aona chuid comasach no ceart meas no speis air bith a thoirt dhoibh. Mar so, chuir e ’shluagh fhéin gu tur ’nan aghaidh, agus chuir e air am bonn fein iad mar “luchd-stri neo-stritheil”. (1) Thug e ordugh seachad, cuideachd, nach cuireadh iad luchd-deanaimh laghanna thun Pàrlamaid na h-Iompaireachd an Vienne, agus dh’aslaich e gu treun orra nach pàigeadh iad an cisean, gun chead o Phàrlamaid Ungaraidh. A thuilleadh air sin, chuir e fhéin air bonn am measg an t-sluaigh, innealan is cleachdannan matha airson laghanna, foghlum, is nithean crabhach a chur air adhart ’nam measg, agus sin gun chumhachd sam bith aig na h-Austraich gus a bhacadh. Chum an sluagh taice ris anns gach cruaidh-chas anns an robh (1) Is e sin sa Bheurla, Passive-Resisters. [TD 8] e, agus bhrosnaich iad e gu seasamh a mach anns gach rathad is gach dòigh a b’urrainn iad a chleachdadh. Shoirbhich iad gu mòr na dà chogadh aig an àm thar criochan na dùthcha aca, agus thug iad, lion beag is beag, riaghailt nan Austrach an Ungaraidh gu neo-ni, ionnus, mu dheireadh, nach robh anns an Iompaireachd ud air fad ach seòrsa de mhi-riaghailt shiobhalta. An ceann ni’s lugha na fichead bliadhna an déigh sin, chaidh crioch a chur air a’ chogadh ud; agus, mirabile dictu, bha a’ bhuaidh leis na h-Ungaraich! A nis, is e an gluasad a chaidh a dheanamh le Deak is a chuid chàirdean sa bhliadhna 1848, a thug na h-Eirionnaich a staigh do’n dùthaich aca aig an àm so. Tha iad ag ràdh, a réir leabhar a th’againn, agus a chaidh a chraobh-sgaoileadh air feadh ceithir roinn na h-Eirinn, agus d’an d’thug iad The Resurrection of Hungary mar ainm, gu’m bheil suidheachadh na h-Eirinn agus Ungaraidh cho cosmhuil a chéile ri dà sgadan. Their iad, gu’m bheil iad a’ sochrachadh na cùis aca air Reachd ris an abrar The Renunciation Act, a chaidh a dheanamh sa bhliadhna 1783. A réir an Reachd so, “the said right claimed by Ireland to be bound only by laws enacted by His Majesty and the Parliament of Ireland is hereby declared to be established and ascertained for ever, and shall at no time hereafter be questioned or questionable”. Tha so toirt seachad do na h-Eironnaich, a réir an leabhair so, a h-uile ni a tha iad ag iarraidh a los dol air an aghaidh chum bogadh nan gad. Tha e ceadaichte dhoibh, a réir so, éifeachd an Aonaidh a chaidh a dhean- [TD 9] amh sa bhliadhna 1801 àicheadh. “The members of the Irish Parliament (tha iad ag ràdh) had no legal power to terminate the existence of that Parliament. They were in law simply trustees for the time being of a power proceeding from the people.” Is ann airson so a tha mòran sluaigh an Eirinn an diugh anabarrach dian gu gabhail a staigh a’ ghlusaid ud a chaidh a chur air bonn le Deak. An toiseach, tha iad ag ràdh nach ’eil e freagarrach do dh’Eirionnach air bith suidheachan anns a’ Phàrlamaid Shasunnaich iarraidh no fhaotainn, a chionn is gu’m bheil i dol glan an aghaidh toil is rùn mhaith is nàduir muinntir na h-Eirinn. “In what (their iad) has Ireland benefited by her representatives at Westminster? Catholic Emancipation was passed without parliamentary agitation. It was the tithe war in Ireland, not speeches or tactics at Westminster, that led to the abolition of tithes. Fenianism disestablished the Church and forced the Land Act of 1871; and the Land League procured the Act of ten years later. Agitation in Ireland, resistance in Ireland, have done everything. Agitation at Westminster has done nothing. The only Act which stands to the credit of the Irish party is the Land Act of 1903, which has admittedly broken down; which has added 33 per cent, to the price of land in Ireland, undone much of the work of the Land League, and has created peasant proprietors only to make them bankrupts. Let us have done with this noisy and futile waste of energy. Let Ireland be true to herself, concentrate her thoughts and energies on the work that lies to hand, and stop [TD 10] sending these impotent and expensive rhetoricians to the English Parliament.” A nis, ged nach ’eil sinn dol a chur ar seul ris-a h-uile ni a tha na daoine so ag innseadh dhuinn, gidheadh chan urrainn sinn a ràdh nach ’eil smior na firinn anns a’ chùis. Gun teagamh, tha e ni car diblidh, is tur neo-fhreagarrach dhuinn, Gàidheil na h-Alba, a bhi daonnan a’ ruith thun na Pàrlamaide Sasunnaich airson deirce, mar gu’m b’eadh; agus a bhi a’ gearain sa talach nuair nach d’fhuair sinn i. Anns an t-seadh so, agus air a’ phuinc so, tha sinn a’ cur làn aonta ris a h-uile smid a chaidh innseadh anns an leabhar againn. Gu fior, is bochd nach robh sinn ni’s féin-speiseil is ni’s neo-eisiomalaich anns na làithean a dh’aom, oir a nis bhiodh sinn mòran ni’s-socraiche agus ni’s sealbhaiche ann ar staid na tha sinn. Is maith a thubhairt na daoine so, gu’m bheil féin-chuideachadh, mar an ceudna, moran ni’s feumaile agus ni’s cumhachdaiche chum bogadh nan gad na. bhi leigeadh ar taice gu tur air coigrich air bheag durachd a tha nar dùthaich. Tha e soilleir, mur deachaidh luasgadh anabarrach mòr leis na Croitearan anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, agus air mòran nithe eile a dh’fhaodas sinn innseadh, nach d’thigeadh leasachadh no feabhas air choir sam bith orra. Bhiodh iad eadhon aig an àm so ceart mar a bha; agus sin gun taing dhoibhsan a bha air an taghadh mar bhuill Phàrlamaid Shasuinn chum cùisean a leasachadh agus gnothaichean a thoirt air adhart. Ach, ged is e ar barail gu’m bheil smior na firinn anns a’ chuis, chan ’eil sinn dol a chur ar seul ris na h-uile ni a chaidh innseadh mu’n ghnothach so le [TD 11] cuid de mhuinntir na h-Eirinn. An toiseach, chaidh aonadh a dheanamh eadar Albainn is Sasunn, co-dhiù tha sin maith no olc air ar son; gideadh, is cinnteach gu’m bi e air a chur air chùl an Westminster anns na laithean a tha ri teachd. Anns an dara àite, tha sinn a’ cur a steach do’n Iompaireachd suim anabarrach mòr mar chis no chàin gach bliadhna, agus o’n is ann mar so a tha, nach biodh e còir is ceart gu’n tughadh seachad dhuinn luach freagarrach airson ar cuid airgid? Nam biodh sinn cho beag-tuigse is ar cul a chur ri Westminster gu buileach, ciod a b’urrainn tighinn oirnn? Bhiodh sinn, fad mòran bhliadhnaichean, ceart mar a bha an t-Amadan Mòr anns an t-seann sgealachd. Bithidh cuimhne aig ar luchd-leughaidh gu’n robh e air a bhuaireadh leis na daoine-sithe gus a dhachaidh fhàgail; agus ged nach robh sin ach bochd, an-shocrach, is beag a bha iad an geall lùchairt ghasda ghrinn a thoirt seachad dha, air dha an taigh aige fhéin fhàgail! Chan ’eil sinn ag ràdh gu’m bheil a’ chùis gun seadh no brigh air bith, d’ar taobh féin; ach tha sinn ag ràdh so, gu’m bheil làn chòir againn air a h-uile ni a tha sin ag iarraidh o’n Phàrlamaid Shasunnaich, do bhrigh is gur h-ann a mhàin airson so a tha sinn a’ pàidheadh. Tha làn choir againn air deadh fhoghlum fhaotainn air feadh na Gàidhealtachd, air leasachadh fearainn, agus air gach ni eile a tha sinn ag iarraidh aig an àm. Is e dleasnas na Stàide na cùisean so a chumail suas, agus a thoirt air adhart, mar is maith a dh’fhaodas i; agus ge b’e air bith Stàid nach dean mar sin, tha i ’na seirbhiseach gun stà air bith, agus feumar cuir as di buileach glan cho tràth is urrainn duinn. [TD 12] Is ann mar so, mata, a tha sinn a’ sparradh air gach fior Ghàidheal “gu bhi dhuinn ’na chul-taic, agus e fhéin a chur an ordugh gu dol air aghaidh maille ruinn a bhogadh nan gad”. Tha iomadh ni anns a’ ghluasad sin a thòisich Deak, agus a tha cuid de mhuinntir na h-Eirinn a’ cumail suas aig an àm ris am bheil sinn a’ cur ar n-aonta. Is e ar beachd-ne gu’m faod sinn uile ràdh le làn fhirinn gu’n d’fhàg sinn gun deanamh mòran nithe a bu chòir dhuinn a dheanamh; agus rinn sinn mòran nithe nach bu chòir dhuinn a dheanamh; agus chan ’eil ach a bheag de slàinte annainn. Gu h-àraidh, bu chòir dhuinn “ar guth a thogail, agus stri mhòr a dheanamh gu riaghladh ar chisean fhaotainn ’nar lamhan féin”. Ach nuair a tha sin a’ deanamh mar sin, agus a’ dol air ar n-aghaidh gus an ceum-toisich a thoirt “do’n Ghàidhlig agus do shàr-bheachdan Gàidhealach”; agus nuair a tha sinn a’ deanamh nan nithe sin a’s còir dhuinn a dheanamh a réir a’ Brosnaichaidh so, na leigeamaid air di-chuimhne air choir air bith aona chuid Pàrlamaid Shasuinn, no iadsan a chaidh a thaghadh airson ar cùisean féin a chur am feabhas agus a thoirt air adhart an Westminster. Is e ar dleasnas solaimte, cruaidh is eigineach, chan e a mhàin ar gnothaichean féin a thoirt air adhart an Albainn mar a’s feàrr a dh’fhaodas sinn—agus dleasnas ni’s solaimte na sin chan urrainn duinn a chur an céill—ach a’ sparradh gu teann air a h-uile neach a chaidh a chur gu Pàrlamaid nan Sasunnach sin, mar an ceudna, a dheanamh san dòigh a’s feàrr a dh’fhaodas e. Air do’n Aonadh a bhi air a chuir as, thig gun teagamh, làtha bristeadh nan gad; ach mu’n d’thig [TD 13] an làtha ud, feumaidh nithe mòra a bhi air an deanamh as ar leth leosan a chaidh a chur a dh’ionnsuidh na Pàrlamaide gu bogadh nan gad. A chlanna nan Gàidheal, an guaillibh a chéile! FORMER GAELIC MOVEMENTS [Beurla] [TD 14-27] [Beurla] [TD 28] [Beurla] SUIDHEACHADH GAIDHEALACH AN HESSE THA baile mòr an ceàrn aoin de na Diùcachd a tha mu bhruachan na Reidh-abhainn anns am bu chòir do fhear-turuis air bith o Ghàidhealtachd na h-Alba mòr thlachd a ghabhail. Se an t-ainm a th’air a’ bhaile bheag so Schotten. Sa chainnt Ghearmailtich tha’m focal Schotte ciallachadh “Gaidheil”; agus chaidh am baille beag so a shuidheachadh o chionn mòran bhliadhnaichean air ais an ceàrn anabarrach aonaranach de’n dùthaich thaitnich ud ris an canar Hesse. Tha slighe-iaruinn ann a tha tòiseachadh aig Nidda, aon de na h-àiteachan air an t-slighe-iaruinn a tha gar treòrachadh o Fhrankfort gu Giessen, agus a tha comh-cheangail Schotten ris an duthaich a tha’n taobh thall de’n roinn so. Ach, am bitheantas, cha toir luchd-turuis aire air bith do’n dùthaich bhoidhich so. Gabhaidh iad air an n-adhart gun suim no beachd a ghabhail do ni air bith ach faotainn a mach as an sin cho luath agus a’s urrainn doibh [TD 29] Air do’n fhear-thurais a chul a chur ri Frankfort, tha e cur a chuil, mar an ceudna, ri Gearmailt an làtha an diugh—a’ Ghearmailt oidhirpeach, aghartach, agus nan veltpolitik—agus tha e dol gu Gearmailt nan sgeul agus nan ròlaistean, far am bheil spiorad na h-aimsire a dh’aom fathast beò, agus far am bheil ri fhaicinn seanna bhailtean eadar bheag is mhòr, agus frithean buidseachais, agus caisteil bhinneineach air an suidheachadh air mullach nam beann àrda. Is iad so uile cuimhneachain nan làithean ud anns an deachaidh a’ chreach a thogail leis a’ chreachdair uasal agus a luchd-leanmhuinn de na mhaoin a thàinig o’n àird-an-ear a dh’ionnsuidh nam bailtean beartach an Almayne. Bho Nidda, tha slighe-iaruinn shingilte ann, agus i toinneadh suas gu bonn nam beann ris an abrar Vogelsburg. Tha’n t-slighe-iaruinn so a’dol troimh theis-meadhon mòran bhailtean beaga, gasda; agus a los sanas a thoirt seachad do luchd-aiteachaidh nam bailtean sin, tha e mar chleachdadh aca clag a bhualadh am feadh sa tha’n carbad-iaruinn a tighinn am fradharc. Gabhaidh an carbad-iaruinn seachad air na taighean a tha cho dlùth dhuinn is gur beag nach b’urrainn duinn ar làmhan a shineadh a mach troimh na h-uinneagan agus buntainn ri ballachan fiodha nan taighean am feadh sa tha sinn dol seachad. Mu dheireadh, thig sinn air Schotten, baile beag, anns am bheil dhà no tri cheudan luchd-aiteachaidh, sa tha air a chuairteachadh le beanntaibh air am bheil coilltean gasda. Gu fior, is beag a’s aithne dhuinn de roimh-eachdraidh a’ bhaile bhig so. Se Zu den Schotten an t-ainm [TD 30] a’s traithe a tha ri fhaotainn air, agus, mar sin, is dòcha gu’n robh e air a shuidheachadh le buidhinn de dh’allabanach Ghaidhealaich, a thàinig an so thar a’ chuain, agus a thog baile is eaglais far an d’fhuair iad fasgadh. A réir an seann sgeoil (agus gun reuson againn cur ’na aghaidh carson nach creidseadh sinn e?) thàinig an so dà Bhana phrionnsa Ghàidhealaich sa bhliadhna 1015, le sùil ris a’ Chreideamh Chriosdail a chur air bonn, sa chraobh-sgaoileadh am measg an luchd-muinntir mhi-chreidmheach; agus thòisich iad air baile beag is eaglais a thogail airson an luchd-iompachaidh. Tha’n eaglais an Schotten ’na h-aitreabh mhòr is ghasda; agus chaidh a togail san ceathramh linn deug. Os cionn doruis air taobh siar na h-eaglaise tha gràbhaladh neònach ann a chaidh a shnaidheadh sa mheadhon-aois, agus a tha nochdadh ridire air muin eich. An taobh a staigh na h-eaglaise, tha dà charragh òrach nam Bana-phrionnsa so ri fhaicinn. Tha ciabhagan buidhe am pailteas air ceann gach té, agus air a h-aon dhiubh so tha crùn òir; agus, mu cheann na té eile, fleasg de’n mhiotailt cheudna. Tha àrsaidhean am beach gu’n deachaidh an dhà charragh so a dhealbhadh anns an aon linn deug; agus mar dhearbhadh air sin, fhuaradh o chionn beagan bhliadhnaichean air ais seann sgriobhadh am balla tùr na h-eaglaise, a tha ag innseadh gu’n robh a’ chùis ceart mar a bha luchd-aiteachaidh Schotten ga creidsinn o sheann. Ach, o’n a tha’n seann sgriobhadh so labhairt mu Schotten eadhon aig an àm thrath ud mar civitas, tha mòran am beachd nach deach an [TD 31] sgriobhadh a chur ri chéile roimh a’ cheathramh linn deug, agus mar sin nach ’eil e gu bhi air a bheachd-smuaineachadh ach mar dhearbhadh an t-seann sgeoil a chaidh a chur air chois mu chiad suidheachadh na h-Eaglaise. So an seann sgriobhadh a thug mi fainear a cheana. “Anno milesimo decimo quinto post nativitatem Dom. nostri J. Christi sup. imperio regis dicti claudi civitatem hanc et templum nostrum Schottense primum ædificare coeperunt duæ sorores ec Scotia oriundae, una Rosamunda, altera Dicmudis vocata.” Se sin ri ràdh, “Anns a’ bhliadhna 1015, agus an làithean an righ sin d’am b’ainm Iomhair Bacach (an dàra Iompaire Iomhair 1002-1024) thòisich dà Bhana-phrionnsa Gàidhealach, ris an canar Rosamunda is Dicmudis, am baile so agus ar ciad eaglais an Schotten a thogail”. Tha ainmeannan a dhà mhnaoi-uasal a bha beò aig an àm ud ri’m faicinn sgriobhta an leabhar na Manachainne an Wetter a tha faisg air Schotten. Is iad Dicmudis is Almudis na h-ainmeannan a th’aca san leabhar ud. Co dhiù is ann a chionn gu’n robh Almudis ’na piuthar eile aca, no gu’n deachaidh na h-ainmeannan so troimh a chéile leis na seanna sgriobhadairean, chan fhaod mi ràdh. Chaidh càirdeas blath-chreidheach a chur air bonn eadhon roimh so eadar muinntir na Gearmailte is luchd-aiteachaidh na h-Alba is na h-Eirinn; oir chaidh Schotten Kirchen air an togail an Mayence agus an Hesse Uachdrach aig àm glé thràthail. Thàinig Florens, aonarach Gàidhealach, gus an dùthaich so, agus sa bhliadhna 679, chaidh a thaghadh mar Easbuig [TD 32] air Strassburg. Mar sin, nuair a thàinig an dà Bhana-phrionnsa Ghàidhealach gu tir-mòr na Roinn Eòrpa cha b’ann idir mar choigrich a thog iad Schotten orra. Thubhairt mi cheana gu’n robh luchd-suidheachaidh Schotten ’nan Gàidheil; ach tha e ro dhuilich a ràdh co dhiù is ann o Albainn no à Eireann a thàinig iad gu Schotten; a chionn is gu’n robh luchd muinntir na h-Alba is na h-Eirinn an dà chuid ’nan Gàidheil. Gu ruig an dara linn deug, se an t-ainm cumanta a bh’aig muinntir na h-Alba is na h-Eirinn “Scoti” (1); agus is ann mu mheadhon na dàra linn deug a chaidh am focal so—Scoti—a bhuileachadh air luchd-muinntir na h-Alba a mhàin. Chi sinn mar so bho na nithean a thachair an Ratisbon. Chaidh a’Mhanachainn iomlaideach aig an àite ud air bonn le Marianus Scotus (Eireannach a réir coltais), anns an aon linn deug; ach bhuineadh i do dh’Albainn gu ruig an t-ochdamh linn deug. Tha cuid am beachd gu’n robh an dà Bhana-phrionnsa so, mu’m bheil e air a ràdh gu’n d’thàinig iad ex Scotia, ’nan nighean do Bhrian Bhorumha (Ard righ na h-Eirinn), a thug buaidh air feachd nan Lochlunnach aig Cluaintairbh sa bhliadhna 1014, agus a fhuair bàs air a’ bhlar ainmeil sin. Ach, saor o so gu’m bheil àm tighinn an dà Bhana-phrionnsa gu Schotten a’ cordadh anabarrach math ri àm fuadachaidh nan Lochlunnach à Eireann le Brian Borumha chan ’eil mi faicinn ni air bith eile a dhaingnichean am beachd so, gu’m b’iad nighean an Righ. Tha mar a’s lugha aon chlann Ghearmealtach ann a tha deònach a bhi air am meas mar ghineal luchd- (1) Se sin ri ràdh “Gàidheil”. [TD 33] leanmhuinn nam ban-uasal Gàidhealach so. Tha’n t-agartas so air a chur an céill anns na sgriobhaidhean a bhuineas do chlann àraidh ris an canar “Schott à Braunfels”; agus ged nach eil ni m’an timchioll a tha dol a dhearbhadh am briathran, gideadh faodaidh e bhi mar a tha iad a’ creidsinn. Tha iad ag ràdh gu’n d’thàinig a’chiad bhall de’n teaghlach so a tha air ainmeachadh an eachdraidh o Schotten gu Nassau mu dheireadh an dara linn deug; agus, ma tha so fior, is dòcha gu’n robh a’ chuid a’s mò de luchd-aiteachaidh a’bhaile so aig an àm ud air am buain o luchd-aiteachaidh Gàidhealach na linne roimh sin. T. G. MARY QUEEN OF SCOTS AND THE EARL OF HUNTLY IN 1562 [Beurla] [TD 34-38] [Beurla] [TD 39] [Beurla] ORAIN GHÀIDHLIG THA Iain Caimbeul, bàrd na Ledaig ag ràdh:— “Is toigh leam a’ Ghàidhlig, a bàrdachd ’sa ceol, Is tric thug i nios sinn nuair bhitheamaid fo leon. ’Si dh’ionnsaich sinn tràth ann an laithean ar n’òig, ’S nach fàg sinn gu bràth gus an luidh sinn fo’n fhòd.” Tha mi a’ creidsinn nach ’eil neach leis a miann a’ Ghàidhlig a bhi cinneachadh ’sa cur a mach a meoir, nach cuir ’aonta ris na briathran eirmseach sin, a tha nochdadh dùrachd cridhe bhàird a thaobh a chànain mhàthaireil ’sa bàrdachd agus ceòl. Tha e math gu leòr a ràdh leis na bilean, “Is toigh leam a’ Ghàidhlig,” agus “Suas leis a Ghàidhlig!” ach ’se cheisd [TD 40] chudthromach dhuinn am bheil sinn mar Ghàidheil a’ deanamh ni’s urrainn sinn airson cumail suas ar cànain. Am bheil ar leabhar-lànn làn de leabhraichean Gàidhlig, sam bheil sinn gach aiteal a gheibh sinn cothrom, a rannsachadh ’sa dion—sgrudadh nan leabhraichean sin? Am bheil sinn comasach air litrichean snasail a chuir a dh’ionnsuidh ar càirdean an “tir nam bean” an cànan blasda Edein? Am bheil sinn a’ teagasg do’r cloinn a’ Ghàidhlig a labhairt ’sa sgriobhadh ’sa leughadh? ’S ann tha eagal orm nach ’eil a chuid mhòr a deanamh nan nithean sin idir. Tha e glé mhath a bhi dol gu cruinnichidhean agus Mòid Ghàidhealach uair na dhà ’sa bhliadhna, a bhi deanamh bòsda ’as an deise Ghàidhealaich agus nithean mar sin, ach an cum sin suas a’ Ghàidhlig? An e sin as ciall do na facail, “Suas leis a Ghàidhlig?” ’S toigh le mòran a bhi seinn orain ar cànain, ach am bheil iad a’ rannsachadh mu ùghdaran nan orain sin, agus mu na nithean àraidh a tha tional timchioll air a bhàrdachd a th’annta? ’S mòr m’eagal nach ’eil, ’s nach ’eil, “Suas leis a’ Ghàidhlig,” aig a chuid mhòr ach air na bilean a mhàin. Tha eachdraidh iongantach aig mòran do’r n-orain Ghàidhlig, agus cha’n urrainn sinn fior bhlas fhaighinn am feasda air aon duibh gus an rannsaich sinn, fhad sa tha e nar comas, na nithean a dh’aobhraich clàrsach a’ bhàird na bhana-bhàird a bhi air a gleusadh. ’S iongantach air uairibh mar dh’éirich spiorad na bàrdachd an cuid do’r Gàidheal. Tha “Mairi, nighean Iain Bhàin”—Mairi mhòr nan orain—mar a chanas [TD 41] na Sgiathanaich—ag ràdh gur e tàmailt agus foirneart a dhùisg an spiorad so innte. Thug Rob Donn bho dhualachas a thaobh a mhàthar e. ’Se trom-bhuille ’ghaoil, tha sinn a’ creidsinn, a ghleus Uilleam Ros gu “Cuachag nan Craobh” a chuir ri cheile, agus tha e coltach gu’n do chuir gaol na cuachaig sin saighead na chom a thug sios do’n uaigh e, agus b’e foirneart droch bhàillidh air a choimhearsnaich a dh’eignich Iain Smith, bàrd Iarshiadair, Leodhais gu Spiorad an Uamhair agus Spiorad a’ Charthannais a chur an eagaibh a chéile. Gabhaidh sinn beagan de na h-òrain Ghàidhlig as cumanta, ’s fiachaidh sinn ri beagan rannsachaidh a dheanamh, air na nithean a tha tional timchioll orra. O c’ àit an caidil an Ribhinn.—’Se oran gaoil a tha so. Nuair a bheachdaicheas sinn air ar bàrdachd dhùthchasach, chi sinn gu bitheanta gur h-ann mu sheorsa gaoil air chor-eigin a tha’m bàrd a labhairt. Canaidh feadhain nach eil gaol sam bith coltach ris an t-seann ghaol Ghàidhealach, agus tha mi fhéin a’ làn chreidsinn sin. Cha robh uibhir aig ar càirdean san t-seann aimsir ri smaoineachadh air ’sa th’againne—cha robh ’n inntinn air a tonn-luasgadh cho mòr le gnothaichean an t-saoghail so, agus mar so tha sinn uile-chinnteach gu’n robh barrachd rùm ’nan cridhe airson gaoil na th’againne. Bha iad a smaoineachadh air an cuspair graidh fad an latha. ’S math a dh’fhaodadh iad sin. Cha chuireadh sin moille sam bith orra, ’g àiteach na buain na monadh, na sniomh na càrdadh ri taobh an teine. ’Se Sgiathanach òg—fear Mac-Cuinn á Tròtairnish—a rinn an t-oran so. Aig an àm, bha na Sgiathanaich chòire air am [TD 42] fògradh a mach á tir an eòlais, agus air an iomain do dh’America, le foirneart an droch uachdarain, airson àite dheanamh do’n fhiadh agus do’n ruadh-chearc. Am measg an fheadhain a dh’fheumadh fàgail, bha, leannan a’ bhàird—caileag bhriagh, thlachdmhor, a bha na h-uile neach a cuir sios do’n duine so. Rinn e suas inntinn airson a ghaol a leanntuinn do dh’America; ach nuair a chuala chàirdean so, rinn iad gach ni bha ’nam comas airson a chumail air ais. B’fheudar mu dheireadh a cheangal eadar làmhan agus chasan an là sheol am bàta san robh ’chaileag a bhuair e. ’S ann nuair a bha e ’n ceangal a ghleus e a chlàrsach, agus a chuir e ri chéile an t-òran mùladach so—O c’ àite ’n caidil an ribhinn a nochd? Fiunaraidh.—’So aon de na h-orain cho measail sa tha nar cànan. Tha na briathran taitneach, agus tha fonn blasda. Cha b’ann airson Fiunaraidh a rinneadh am fonn idir, ach airson seann òran Irinn, àrinn u horo! Gur tu mo luaidh na faighinn thu—òran gaoil le Ailean Dùghallach. Chuir brìathran grinn Fiunaraidh na ciad fhaclan air chùl, air chor ’s gur gann a tha fios orra nise. ’Se ’m beachd coitchionn gur h-e ’n Dr. Tormad Macleoid, ùghdar an òrain so, agus gu’n do chuir e ri cheil’ e nuair a bha e fàgail athar a’ Morbhen a chiad uair airson tighinn do Oil-thaigh Ghlaschu. Tha smuain an orain taitneach, agus na aon a ghlacas cridhe ’Ghàidheil air ball, a tha air mhòdh sònraichte fuaighte ris an t-seann làraich ’s an d’àraicheadh e. Tha sinn an comain an uasail Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh nach maireann airson an eadar-theangachadh tlachdmhor a rinn e air an òran so. Cha’n ’eil mòran nar là a rinn [TD 43] uìbhir airson ar cànain ris an duine so. Ged a tha e marbh, tha e fathast a labhairt anns an Oranaiche—leabhar a tha an iomadh dòigh a’ toirt bàrr-urram air aon eile de’n t-seòrsa, agus co-chruinneachadh òrain Ghàidhlig a chaidh a chuir ri chéile le mòran saothair is cosgais leis an duine so. Fear a’ Bhàta.—So òran gaoil eile a rinneadh le caileag bhochd nar Gàidhealtachd. Dh’fhalbh a leannan a sheòladh, agus cha robh dùil dhachaidh ris tuille, sann teagmhach a bha ise co dhiù. ’Se òran ro-shean a tha so, tha mi creidsinn aon cho sean sa tha againn air sgiala a nise. Cha’n ’eil cinnt air có rinn e. Tha mòran sgialachdan agus bharailean am measg luchd-rannsachaidh mu thimchioll ughdar an òrain so. Tha mòran aca nach mòr a’s d’fhiach, ach faodaidh mi direach aon bharail a chuala mi ’thoirt seachad. ’Se ’m beachd sin gur h-ann an Leodhas a rinneadh an t-òran ach nach ’eil air sgiala dheth ach a’ chiad rann “’S tric mi sealltuinn o’n chnòc as àirde,” agus gu’n do chuireadh a’ chuid eile ris an déigh làimhe. ’Se ’n aithris a tha ann so, gu’n deachaidh soitheach mòr fodha bho-chionn fada aig a Bhùt Leodhasach. Chaidh gach neach a bh’air bòrd do’n ghrunnd, agus, na measg, bha “fear a’ bhàtha”—an cuspair àraidh do’n d’ rinneadh an t-òran. Nuair a chuala a leannan (Sìne Nighean Iain Anndra) so, bha i fo lion-duth, agus ghin sin innte spiorad na bàrdachd. Ged a bha e cinnteach gu’n robh ’leannan “sa ghrunnd far nach tràigh,” gidheadh tha e coltach, mar athair a mhic-shrùidheil roimhe, nach d’thug i riamh dùil nach d’thigeadh fear a gràidh là air chor-eigin; ’s mar sin [TD 44] bu tric i sealltuinn bho’n chnòc a b’àirde dh’fhiach am faiceadh i cuspair gràdhach; ach cha do thachair dh’ise mar thachair do àthair a mhic shrùidheil—cha robh aice air, ach a bhi tuille tùrsach deurach. A Mhàiri bhoidheach ’sa Mhàiri ghaolach.—Feumaidh mi aideachadh nach ’eil òran nar cànan aig am bheil uibhir a bhuaidh air m’ inntinn sa th’aig an òran so. ’Se maighstir-sgoile bh’ann an Uidhist-a-Tuath a rinn e. Bha e teagasg nighean òg an teaghlach a bha glé mhath dheth, agus ni bha glé neònach, ghabh e gaol oirre. Cha’n ’eil fhios agam co dhiù bha i òg no sean, ach ’s coma leis a ghaol tha e coltach, c’ ait an luidh e. Chaidh a bhuaireadh glé mhòr co dhiù. Saoilidh mi gu’m bheil mi ga fhaicinn an rioghachd an trom-smuaineachaidh, a bruadar gach mionaid de’n là mu Mhàiri. Cha d’fhuair e i co dhiù. Na òran, tha e gairm air gach fear-turuis a théid do dhùthaich fad as gach siod agus ni luachmhor a thoirt gu ghràdh, agus tha e sparradh mar dhleasdanas air eòin na speur an ceòl as binne’s urrainn an sgòrnan a dheanamh, a thoirt an sin do Mhàiri bhoidheach. Dh’oibrich dragh inntinn air cho mor ’s gu’n chuir e e do’n uaigh roimh ’n mhithich. Rinn an gaol an gnothach airson co dhiù. Caber-feidh.—’Se fear Tormad Macleoid á Assin, bho Thuath, ’s ùghdar do’n òran so. Cha’n ’eil mòran ri aithris mu thimchioll an duine so, ach tha e coltach gu’n robh e gu math dheth, oir thug e deadh fhoghlum da dhithis mhac. Bha tuathanach mòr sa choimhearsnachd aige MacCoinnich, Aird an Loch. Bha Macleoid agus an tuathanach so glé chòirdte, agus, gu bhi goirid, innsidh sinn mar dh’éirich Caber-feidh [TD 45] so a tha cho ainmeil air feadh na Gàidhealtachd air fad. Thug Morair Chataobh ùghdarras laghail do Uilleam Rothach, Achanidh, agus thàinig e fhéin agus a luchd-cinnidh gu léir, leis an ùghdarras so, do Assint, a thogail chreach. Thug iad leo mòran chruidh, agus ainmhidhean eile. Thug iad an sgriob so air an dùthaich deireadh an t-samhraidh, direach mu’n àm a bhiodh an crodh air an airidh—cleachdadh a tha fathast an Leodhas. Bha ni so am fàbhar an luchd creachaidh oir cha’n e mhàin gu’n d’thug iad leo ’n crodh, ach mòran ime agus càise cuideachd. Chunnaic Macleoid gur h-e foirneart mòr a bha so, agus rinn eucoir a ni so a leithid no ghreim air ’s gu’n do ghluais e ann spiorad na bàrdachd. Chuir e air ball ri cheile Caber-feidh—na òran cinnidh chlann Mhic-Coinnich, anns am bheil mòran de gheur-mhagadh air na Cataich agus na Rothaich, air an robh gràin mhòr aige, ’chionn gu’n do thaobh iad Righ Seoras an 1745, an aghaidh na Stiubhartach. Ghabh Rothach Achanidh gu mòr gu cridhe ’n droch làimhseachadh a fhuair e san òran, agus bhòidich e gu’n d’thigeadh e ri beatha bhàird nam faigheadh e cothrom air. B’aithne dhoibh a chéile, agus thachair dhoibh gu mi-fhortanach coinneachadh. Dh’aithnicheadh na h-uile duine ’n Rothach le bonaid odhar a bhiodh air an còmhnuidh, agus le sin thugadh “Uilleam na bonaid uidhre” mar ainm air. Chaidh e aon là staigh do thaigh òsda Ardghaoithe, agus co bha roimhe sin ach Macleoid, a dh’aoir e, ’s smùid aig air aran, is ìm is càise ’s lionn. Cha d’aithnich an Rothach Macleoid, ach dh’aithnich Macleoid an Rothach leis a bhonaid odhair. Cha do leig Mac- [TD 46] leoid dad air, ach thairg e làn na gloine do’n Rothach. Ghabh an Rothach sin, agus dh’òl Macleoid t’eile air a shlàinte ag ràdh:— “Aran a’s ìm is càise Mu’n d’thig am bàs air Tormad, A’s deoch do fhir an rothaid, ’S cha ghabh na Rothaich fearg ris”. Bha Rothach Achanidh, ro thoilichte, dh’òl e lionn gu toileach, agus nuair a fhuair e mach a rìs co bh’ann am Macleoid, thug e maitheanas gu saor dha agus bha meas mòr aig air os déigh sin. Iomadh bliadhna ’n déigh so, nuair a chuireadh còta ’ministear air mac a bhaird, Aonghas, chaidh esan gu Rothach Achanidh, fiach an d’thoireadh e dha sgire Rogairt. “Am bheil thu smaoineachadh,” ars an Rothach, “gu’n deanainn-sa ni airson mac t-athair? Cha deach Caber-féidh air dichuimhn fhathast.” “Cha deachaidh, ’s cha d’théid,” ar’s am ministear òg tapaidh, “ach ma gheibh mise na mo mhinistear san sgire, geallaidh mi nach seinnear, ’s nach mo chomhairlicheas mi do neach sam bith Caber-féidh ionnsachadh.” “Ceart gu leòr, ceart gu leòr!” ars Achanidh, cha’n ’eil thu buileach cho dona ri t’athair. ’S ann a dh’fheumas sinn an sgire thoirt dhuit.” Mar a thuirt b’fhior. Fhuair Macleoid òg an sgire le baigh an Rothaich. ’Se Caber-féidh òran cho taitneach ’s cho measail sa tha nar canan, agus ’s fhiach e sin. Tha “Nuair dh’éireas do chabar ort,” aig deireadh gach ceathramh a’ toirt buaidh mhòr do gach rann. Saoilidh neach gu’m bheil e beo ’s na linntibh fiadhaich nuair a bha na cinnich bhorba dol a mach le’n camain’s le’n cabair [TD 47] reamhar chama, do bhlàr dearg a chògadh agus a comhrag gu buaidh no gu bàs. ’S le Macleoid a fonn agus na faclan. Tha fonn na phort pioba ainmeil air feadh na Gàidhealtachd, ’s cha’n e mhàin gu’m bheil e ’na phort ruidhle agus na phort airson dannsaichean cruinne cuideachd. Mali bheag Og.—Rinneadh an t-òran ro mhuladach so le saighdear òg Gàidhealach, a bha an seirbheas an treas Righ Uilleam. ’S e mac tuathanaich ghasda à siorramachd Pheairt a bh’ann, agus ’na òige nuair a bha chridhe mireag ris, ghabh e gaol mòr air nighean ùachdarain sa choimhearsnaich. Tha e glé choltach gu’n robh gaol mòr air gach taobh, ach gidheadh, bha iad le chéile faicinn nach robh iad coltach ri chéile—gu’n robh ise shliochd nan uaislean, ’s nach robh esan ach a shliochd na tuatha ’s mar sin nach robh e glé ghealltanach gu’m pòsadh iad am feasd. Co dhiù, ghabh an t-òganach fasdadh san arm, agus rinn e gu maith an sin. Ghluais e gu cubhaidh, agus chath e gu treun. An déigh a bhi san arm mòran bhliadhnachan, thàinig e dhachaidh a dh’amharc air a chàirdean, agus air càirdean a chuspair do’n robh gràdh aige. Bha i fhathast gu’n phòsadh, agus mar bha i breagha roimh, ’s ann a nise bha i gràdhach da rireamh. Shaoil leis gu’n do ghabh e gaol oirre as ùr. Ach ged bha deise saighdear air, agus coltas deadh shaighdear na ghnuis, cha’n fhaigheadh e i, ach dh’fheumadh e faighinn a dh’eoin no a dh’ain deoin. Rinn iad le chéile suas an inntinn gu’n teicheadh iad air oidhche Di-sathuirne. Bhiodh ise gearain déididh ’s ceann goirt air uairibh air maduinn Di-dòmhnaich, ’s mar sin cha’n ionndrainneadh muinn- [TD 48] tir an taighe cho luath i, ged nach biodh i aig a bhòrd sa mhaduinn. Theich iad le chéile. Nuair a dh’ionndrainn a h-àthair i aig a’ bhòrd sa mhaduinn, dh’fharraid e c’ait an robh i. Thuirt té de na seirbheasaich gu’n robh i gun éiridh. Dh’fhalbh a h-àthair air ball ’s rinn e cinnteach. Nuair a chunnaic e gu’n robh i air falbh, chruinnich e ’dhaoine cuideachd air ball, ’s chuir e iad a mach as an déigh. Rug na daoine orra an gleann fàsail san do leig iad anail. Ged a bha’n t-òganach leis fhéin, rinn e suas inntinn nach dealaicheadh e ri ’luaidh fhad sa bhiodh an t-anam innte, agus do bhrigh ’s gu’n robh e deas air a chlaidheamh, bha e treubhach an toirt dùmhlain do na h-ionnsaidhean a bhatar a deanamh air. Ruith ise ’s chaidh i air a chùlaobh airson dion, ach nuair a bha e ’dol a thoirt buile bhàis leis a chlaidheamh, bhuail e, le tubaist, oirresa agus leag e fuair i air a chulaobh. Nuair a chunnaic esan so, thug e e fhéin suas do nàimhdean ag ràdh, “Dé math dhomhsa bhi beò nis fhaide ’s cuspair mo ghaoil na sìneadh!” Thugadh air ball do’n phriosan e, far an d’rinn e ’n duanag mhuladach so. ’S e òran cho tiamhach sa tha nar cànan. Tha’m bàrd eu-dochasach so a labhairt mu ’ghràdh mar gu’m bitheadh i fathast beò, a’ sealltuinn gu’n robh inntinn troimh chéile, ’s nach mòr da rireamh nach robh e as a chiall. Cumha Mhic-Cruimein.—’S e tuireadh na cumha a tha’n san òran so. Tha e coltach gur h-ann do’n Eilean Sgiathanach a bhuineas e. Gu aobhar araid a chumha so, a dheanamh soilleir, feumaidh sinn ar n-inntinnean a thoirt air ais a dh’ionnsuidh an àma san d’thàinig Prionnsa Tearlach air tir am Muideart [TD 49] airson cathair athraichean a bhuinnig aon uair eile. Ged nach robh aige ach seachdnar de luchd-leanmhuinn an toiseach, an ùine glé ghoirid, chrò na Gaidheil d’ a ionnsuidh, ’nan ciadan, cuid diubh air an tarraing d’ a ionnsuidh do bhrigh gu’n robh iad a’ creidsinn gu’m b’ e oighre dligheach a’ chrùin, agus cuid eile, bha air an tàladh gu leanntuinn do bhrigh maise agus sgiobaltachd an oganaich rioghail so. Bha dhaoine meudachadh gach là, ràinig e cho fad ri Derby an Sasuinn, bha Righ Seoras a’ gabhail iomnuidh mu chrùn, ach cha deachaidh Prionnsa Tearlach ni b’ fhaide. Thill e air ais gu Albainn, thuit a dhaoine marbh mu’n cuairt da le fuachd agus acras, agus bha gach ni dol ni bu mhìse. Nuair a ràinig e Taigh a’ Mhagha faisg air Inbhirnis, far an robh ceann-cinnidh Chlann an Tòisich, cha mhòr nach do thuit e an làimh a nàimhdean. Bha Mac an Tòisich ’na aghaidh; ach bha’ bhean mar iomadh bean chòir eile, gu mòr air taobh a’ Phrionnsa. Bha Iarla Loudon aig an àm sin an Inbhirnis le 2000 fear, an dòchas gu’n glacadh e ’m Prionnsa mu’n d’thigeadh a shaighdearan-san, a bha tighinn bho dheas. Chaidh an Iarla so gu Magh le 1500 duine, am measg an robh 70 fear bho chomand MhicLeoid à Dùn-Bheagain. Chuala bain-tighearna Mhic-an-Toisich so, agus thug i air a’ Phrionnsa dhol am falach. Air ball, chuir i cuignear dhaoine armaichte dh’fhaire an rathaid bho Inbhirnis. Air ceann a chuigear so, bha gobha treun—Frisealach. Troimh ’n oidhche, nuair a bha arm Iarla Loudon am fagus, chuir an gobha chuignear dhaoine ’falach greis bho chéile ri taobh an rathaid, agus dh’iarr e orra losgadh nuair a bhiodh [TD 50] an t-arm a dol seachad, agus eigheach aird an claiginn air na “Camashronaich” agus air na Domhnullaich tighinn air aghaidh, chor’s gu’n saoileadh iadsan gu’n robh saighdearan a’ Phrionnsa uile rompa. Nuair a loisg an gobha, mharbh e Domhnull Bàn MacCruimein, piobaire MhicLeoid Dhùn-Bheagain. Bha dùil aig arm an Iarla gu’n robh chreach air a muin, ’s theich iad cho luath ’sa rinn an casan do Inbhirnis. ’S e “Ruaig Mhagha” is ainm da so an eachdraidh. B’e Dòmhnull Bàn MacCruimein, piobaire b’fhearr sa Ghàidhealtachd ’na latha. Bha Clann Mhic Cruimein ’nam piobairean aig Macleoid Dhùn-Bheagain fad iomadh linn. Tha cuid ag ràdh gur h-ann à Cremona san Eadailt a thàinig iad an toiseach, ’san gun d’thug iad an sloinneadh bho’n bhail’ as an d’thàinig iad. Tha mòran sgialachdan air an aithris timchioll air clann Mhic Cruimein, ’s faodaidh mi direach aon diubh innse ’n so. Bha chiad Mhac Cruimein nuair a bha e na bhalach ag ionnsachadh an fheadain an taigh àraidh. Bha banais ri bhi anns a’ bhaile an oidhche no dhà, agus bha gach piobaire gu fiachainn có b’fhearr a chluicheadh. Dh’iarr MacCruimein cead air a’ mhaighstir gu dhol ann, ach cha’n fhaigheadh, ach dh’fhalbh e gu’n chead idir, ’s ghabh e rathad goirid troimh achadh àraidh. Air an rathad, thachair air bothag shìthichean is chaidh e staigh. Cha robh staigh ach seann bhoireannach, is labhair i gu cairdeil ris. Bha fhios aice an turus air an robh e, is thug i dha feadan dubh, is thuirt i nan cuireadh e am piob sam bith e, gu’n d’thoireadh e bàrr air gach fear a chuireadh gaoth a màl. Creid so no na creid, b’e clann Mhic Cruimein piobairean a b’ainmeil ’na làtha. [TD 51] Nuair a bha Dòmhnull Bàn MacCruimein a’ fàgail Dhun-Bheagain aig an àm mu’n robh sinn a’ labhairt, bha roimh-bheachd aige nach tilleadh e tuille, agus do bhrigh sin rinn e ’m fonn cianail sin Cha till mi tuilleadh, is chluich e e fad na slighe fàgail Dhùn-Bheagain, sa mnàthan san leannain a’ toirt sealladh tùrsach as an déigh, is eagal orra nach fhaiceadh iad tuille iad, ’s b’fhior sin oir, “Le airgiod no ni, cha till Mac-Cruimein, cha till gu bràth gu là na cruinne”. J. N. M. IMPERIAL FEDERATION [Beurla] [TD 52-57] [Beurla] [TD 58] [Beurla] AN TINNE-AIR-DHITH SGEUL [FHUARADH an Australia o chionn mios no dhà Ap mòr uamhasach. Shaoil cuid gur e an Tinne-Air-Dhith a bh’ann.—Paipeir Làitheil.] Is an Australia a bha e fuireach; agus chaidh iomradh air mar shealgair mòr, misneachail, is anabarrach eòlach air a dhreachd. Chaidh Car-an- [TD 59] aghaidh-Car a thoirt mar ainm air. Là de na làithean, thug e chasan leis as an àite anns an robh e, agus thug e an fhàsach air. Shubhail e troimh ghleann is thar amhainn, gus mu dheireadh ràinig e ionad céin, fad air astar, far an robh na craobhan-chno a’fàs gu pailt. Rinn e uidheamachadh airson sealgaireachd an sin, agus thachair Ap mòr air a bha ’na chuis uamhais. Thachair nach robh e idir eòlach air a leithid sin de bhéist, agus thug e sgread mòr as, agus thàr e as cho luath sa b’urrainn da. Là de na làithean, thàinig an t-uile-bhéist grannda uamharra so a dh’ionnsaidh na bothaig anns an robh e fuireach, agus chaidh iad air sheanachas. “Tha mi fior sgith de’n àite so,” ars an t-Ap. “Theichinn as comhla riut. Tha mi am meinn dol air turus comhla riut gus an Roinn Eòrpa.” Rinn Car-an-aghaidh-Car gàire ris, agus thug e sùil air. “Ma ’s ann mar sin a bhitheas e,” ars e, “feumaidh mise d’earbull is do spàgan a ghearradh dhiot. Mar a tha thu, cha’n ’eil thu cho dreachdmhor, taitneach, sa bu chòir.” Dh’amhairc au t-Ap mòr le gruaim air, agus thubhairt e. “Is duine gòrach tur aineolach thusa! Nach ’eil fhios agad gur mise do bhràthair a’s sine? Tha duine foghlumta ag ràdh gu’n deachaidh mo bhreith mòran mòran bhliadhnaichean mu’n robh an cinneadh daoine idir ann, agus gur ann asam fhéin a tha mac an duine tighinn a mach. Is mise an Tinne-Air-Dhith!” Air do Char-an-aghaidh-Car so a chluinntinn, thug e leum mòr as, agus thuit e air ball air amhach a [TD 60] bhràthar bu shine “Mo bhràthair! Mo bhràthair!” ghlaodh e mach. “Is tu a chaidh air chall gus an àm so! Nach ann mar dhuine dall, neo-thuigseach is tur aineolach a bha mi roimh so! Thigibh air an àm maille rium! Théid sinn air turus le chéile gus an Roinn Eòrpa. Is fior bheag nach robh sinn eòlach air a chéile roimh so.” Dh’fhalbh iad, agus thug iad an Roinn Eòrpa orra, agus an ceann bliadhna no dhà, ràinig iad Luchairt Fear-Riaghlaidh na Frainge am baile mòr Pharis. Bhuail iad an dorus, agus co a thàinig ach am Fear-Riaghlaidh e fhéin. Thug e sùil car geur orra, agus dh’fheòraich e de bha dhith orra. “Is mise, le’r cead,” ars an t-Ap mòr, “do bhràthair a’s sine—an Tinne-Air-Dhith—air turus air feadh na Roinn Eòrpa is an t-saoghail air fad. Am bheil dreuchd no oifig sam bith agad a tha falamh aig an àm? Tha sin uamsa, agus b’àill leam sin fhaotainn.” Thug am Fear-Riaghlaidh sgriob no dha d’a cheann. “Mata,” ars e. “Saoilidh mi nach ’eil dreuchd no oifig sam bith a tha ceart falamh aig an àm agam. Ach, thigibh a staigh, a dhuine chòir! agus gabhaidh sinn beachd le chéile air a’ chùis.” Chaidh iad a staigh leis, agus chaidh iad air sheanachas fada. An ceann uair no dhà, bheachdaich e ’na inntinn fhéin agus chrath e làmh ròmach an uile-bheiste mhòir uamhasaich. “A dhuine chòir!” ars esan, agus e deanamh ùmhlachd anabarrach iriosal dha. “Is mòr mòr am meas a th’agam dhoibh fhéin. Is duine fior chòir sibhse gun amharus, agus b’àill leam fhaotainn coth- [TD 61] rom air mhaith a dheanamh dhuibh. A nis, cha’n ’eil Ministeir Aoraidh Fhollaisich againn air an àm, agus sin o chionn deich bliadhna air ais. Am bi sibh toilichte le sin? Tha deadh thuarasdal ’na chois agus fior bheagan ri bhi dheanamh air a shon. De ur barail air a’ chùis?” Fhreagair an t-Ap agus thubhairt e gu’n robh e toilichte gu leòir; ach nach robh ach a bheag de eòlas aige air a leithid sin de ghnothach. “Is coma co dhiù sin,” ars am Fear-Riaghlaidh, “agus is fior bheag de sin a bhitheas sinn ag iarraidh oirbh. Tha a’ chuid a’s mò d’ar cuid Eaglaisean duinte, agus cha’n ’eil a nis againn ach dòrlach beag de Shagairtean ceadaichte. Dh’fhuadaich sinn a mach iad uile o chionn ceithir bliadhna air ais, agus chaidh bagradh orra gun iad a philleadh.” Dh’fhalbh iad, agus chùm iad còmhdhail chridheil ri M. Combes. “Se so do brathair a’s sine—an Tinne-Mhòr-Air-Dhith!” ars am Fear-Riaghlaidh. “Chaidh a roghnachadh o chionn uair no dhà mar Mhinistir Aoraidh Fhollaisich do’n Fhraing; agus, air ughdaras Dharwin, is mòr, àrd, tur soilleir, an samhlachas a tha eadar esan is thusa!” Rinn Combes ùmhlachd cho ro iriosal dha ’s gu’n do thuit an ceann aige eadhon gus an làr; agus ghlaodh e mach, “Mo bhrathair! Mo chruithfhear!” Marso, fhuair an Tinne-Air-Dhith làn ghréim air an Fhraing, agus mur a bhitheas an t-anm annsan, is anns ’a Phanteon a gheibh thu e. R. A. [TD 62] HISTORY IN SCHOOLS [Beurla] [TD 63-65] [Beurla] [TD 66] [Beurla] A’ BHUIDHEANN SGEALPARRA (1) Do Chomunn Iosa, tha gach ni comasach, réidh, ge b’e air bith rathad a tha cuid cur ’nan aghaidh. Bithidh soirbheachadh aig an àm so leis an Athair (1) The Sins of Society, by Father Bernard Vaughan, S.J. London: Keean Paul, Trench, Trübar & Co., 1906. [TD 67] Vaughan, a tha ’na bhall ainmeil de’n Chomunn sin, ann a bhi deanamh stri nach beag an aghaidh an dol-a-mach a bha aig mòran dhaoine roimh so—is e sin ri ràdh daoine is mnathan sgealparra a rug air fheusaig air airson an toirt gu dubhlain ’nan cuid daingnichean sòghail, oidheirc, gidheadh làn aingidheachd. Thug mòran sluaigh roimh so oidheirp dhuineil air gleachadh ris an duine làidir sin d’an ainm Dives; ach gus an so, cha do bhuadhaich iad a’ bheag. Se an dòigh a ghabh iad mar, gu’m b’e, Jiu Jitsu; agus rinn iad stri anabarrach mòr a los Dives a thilgeadh bun os cionn, ach cha deachaidh sin leo tur buileach fhathast. Cha robh cliù, no riaghladh, no modh idir aig muinntir nan gad; agus làimhsich iad an cuid armachd gu neo-sgileil, aineolach. An àite a bhi air a chur fo nàire is uamhunn leis a chuid britheamhnan, rinn Dives fochaid. Rinn e caog-shuil ris na britheamhnan thar bhallachan Pâte-de-fois-gras a chuid daingnichean am Park Lane. Chaidh peacannan is coireannan na Buidhne Sgealparra fhoillseachadh air fior mhullaich nan taighean; ach a dh’aindeoin sin, cha robh soirbheachadh sam bith acasan a bha gam foillseachadh. A thuilleadh air sin, tha cuid ag ràdh gu’n do ghabh Dives e fhéin tlachd mòr as na h-ionnsaidhean a rinneadh air. Cha robh daoine is mnàthan baoghalta air an dòigh, nach robh iad air an caineadh air taobh-duilleagan nam paipearan fasanta, no an leabhar-eigin air a dheadh chraobh-sgaoileadh. Nam beachd-san, cha robh an t-iomradh airson olcais a thàinig orra an lorg ionnsaidhean an luchd-ditidh, ’na ghnothaich gun fheum no [TD 68] eadhon tur mi-onorach. Chuir an t-iomradh so Bayswater air fad fo uamhann anabarrach mòr, agus rinn e iollagach gach uile geata nan lann a bha’nn. Mar sin, is furasda a thuigsinn gu’n d’fhàs a’ Bhuidheann Sgealparra suas, agus gu’n d’thàinig iad fo bhlàth mar chraoibh-bhuidhe nan Sgriobtuir, agus sin gun suim no aire sam bith a thoirt dhoibhsan a bha a ghnàth faighinn coire dhoibh. Ach, air do’n Athair Vaughan cathair a’ bhritheanais a thoirt air, thàinig atharrachadh mòr air a’ chùis air fad. Air ball, thug an connsachadh cruinn-leum as an t-saoghal anns an robh e roimh so, agus, am prioba na sùla, dh’éirich e o bhòrd na tea eadhon gus a’ chrannaig. Chaidh gleadhraich nan cupan a bhathadh tur buileach nuair a thug an t-Athair Vaughan a’ chrannag air, a los dol a chur ceann Dhives dheth. Sa chiad dol-a-mach, ghabh an sluagh beachd cùramach dheth na bha e ag ràdh mu’n Bhuidhinn Sgealparra; agus an ùine ghoirid, dh’fhàs eadhon Dives e fhéin diombach; agus ghabh e eagal as na bha e cantainn mu dheidhinn fhéin. Mar sin, chaidh leis an Athair so an t-iomradh mi-chliùteach chraobh-sgaoileadh gu farsuinn is fior dhuineil, an àite na té a chaidh air bonn roimh so, ionnus gu’n robh diomb is eagal nach beag air Dives roimh an fhear-rannsachaidh mhisneachail so. Air ar son féin, chan ’eil againn ach fior spéis do’n Athair Vaughan, agus ris na tha e cantainn anns an leabhar so mu’m Bhuidhinn Sgealparra an Lunnainn. Se ar beachd, cuideachd, gu’m bheil làn thoileachadh aig Dives dheth gach ni beumach is sgairteil a tha e faotainn anns an leabhar so; agus [TD 69] tha e tur taitneach leinn am foillseachadh sin a chaidh a thoirt air a chuid peacaidhean leis an Athair Vaughan. Tha’n soisgeul sin ris an abrar an “Soisgeul Sòghalach” air a chraobh-sgaoileadh nar là mòran ni’s trice is ni’s socraiche na tha e iomchuidh is slàinteil duinn air fad. Tha’n “Saoghal Ciogailteach,” fasantach, mòran ni’s taitniche an sùilibh an t-saoghail gu léir na bu chòir d’a bhi. Bha Dives, mar an ceudna, a fàs cleachdta a bhi cluinntinn e fhéin air a bhagairt, agus ga fhaireachduinn fhéin mar dhuine air an deachaidh ionnsaidhean sgairteile thoirt, mòran ni’s trice na bu chòir airson a’ chor slàinteil, agus airson math na h-uile h-aon againn. Gu fior, thàinig atharrachadh anabarrach mòr air Dives agus air a chuid càirdean, air dhoibh bhi air an tumadh fo uisgeachan fuara is domhainn ùr-labhairt an Athar Vaughain. Gu dearbh, tha mòr eadar-dhealachadh eadar a’ chùis, bho’n là a fhuair an t-Athair Vaughan i, agus srùthan meagh-bhlath, tanalach, nam paipeirean boirionn! Agus, se ar barail nach ’eil an t-Athair Vaughan a dol ro fhada, no gu ro bhras air adhart anns an leabhar so, agus nach deachaidh dreach air Dives nach ’eil buileach freagarrach dha. Tha fios aig a h-uile h-aon againn gu’m bheil fior dhaoine is mhnàthan am pailteas an Sasunn—daoine is mnathan còire nach ’eil a’ struidheadh am maoin mar a tha Dives sa luchd-leanmhuinn gun fheum, gun fhiù, a’ deanamh. Cha robh an t-Athair Vaughan a’ dol an aghaidh an t-saoghail gu léir nuair a bha e diteadh mar so; ach gur ann an aghaidh na Buidhne Sgealparra a mhàin [TD 70] a bha e dol a mach. Chan ’eil e idir ’na “pheacadh,” no ’na “sgainneal” dhuinn purpur is aodach grinn a chur umainn, agus eadhon a bhi tighinn beò a h-uile là gu h-iomchuidh. Anns an dùthaich againn féin, far am bheil na leannraichean a’ dol mu’n cuairt air lorgan, agus anns am bheil an Diabhol, fo chruth chòcairean, a’ triall o thaigh gu taigh ag iarraidh iadsan a b’àill leis a phuinnseineachadh; tha e ni feumail is freagarrach gu lèoir ar beò a dheanamh socrach, sòlasach, mar a’s feàrr is urrainn duinn. A bharr air sin, is e féin-dhionadh aon de chiad laghan Nàduir. Mur dearmaid sinn Lasarus a tha ’na luidh mu gheata ar cridheachan, ocrach, tàrt-mhòr, lòmnochd, buailte le tinneas is làn de chreuchdan, cha chuir sinn sinn féin an cunnart cronachaidh an t-Searmonaiche Naoimh: cha chàrn sinn suas dhuinn féin stòr de’n fheirg a tha ri teachd. Tha Dives, mar a tha na bochdan, daonnan maille ruinn. Tha a’ Bhuidheann Sgealparra anns gach linn is anns gach ceàrn de’n t-saoghal air fada. Eilidh à Troidh, Cleopatra à Carthage, Popsæa Sabina o’n Roimhe, agus, nar measg féin, Ban-righ Maebh—ciod iad uile ach roimh-ruithearan nam ban-adhaltranach is boirionnach fhuasgailte an làtha an diugh? Gu dearbh, de a’s urrainn a bhi ni’s furasda na àite a thoirt do Dhives agus d’a phòr an eachdraidh? Tha e anns gach àite, a’ pòsadh sa toirt am pòsadh; ach cha bheannaichte an dorlach a th’aige. Tha gach seòrsa uilc—olcas fo gach cruth, anns gach linn, agus anns gach àite—anabarrach oillteil; ach gun teagamh, tha rud-eigin ann mu olcas ar làtha-ne a tha ga chomharradh a mach, agus a tha [TD 71] ga dheanamh ni’s oillteile na eadhon an t-olc a chur an gniomh anns na bliadhnaichean a dh’falbh; agus se so an reuson airson sin, a chionn is gu’m bheil olc an latha an diugh toinnte an spiorad an airgid. Gu fior, tha e air a ràdh gu’m bheil airgiod ’na ni salach; agus ciod e airgiod as an àite a tha tur freagarrach dha ach mar bhrigh no stuth gun fheum? Se gràdh airgid a tha comharrachadh a mach na Buidhne Sgealparra; agus mar tha an t-Athair Vaughan ag ràdh gu tuigseach is gu beumach, “it is not what a man is, but that which he has,” a tha cur cùraim air an t-saoghal sgealparra. Theagamh gu’m bheil thu ’nad sguabadair rathaid air taobh t’athar, no ’nad oibriche cruaidh mar fhear ceirde—is coma co dhiù sin ma tha’n t-airgiod agad! Chan ’eil uait ach an t-airgiod a thaomadh a mach, their a’ Bhuidheann Sgealparra: “ni sinn féin gach ni eile furasda, réidh, gu leòir dhuit!” Agus, gu dearbh, se gràdh an airgid a tha comharrachadh a mach, sa tha diteadh na Buidhne Sgealparra gu buileach. Tha e air a ràdh gu’n robh an cumhachd aig ceann Medusa thar gach fear air an leigeadh i a sùil oillteil is aimhleasach car tiota an duine sin a thionndadh gu cloich. Gu fior, chan ’eil e comasach do luchd-leanmhuinn Dhives a leithid sin de ghniomh a dheanamh air an làtha an diugh; ach ma tha cumhachd sam bith dol a mach as an cuid ana-miannan, agus nam bu chomasach do ghionach na beanntan a ghluasad, agus nam bu chomasach do shannt gnothach clach an fheallsanaich a chur an gniomh; bhiodh an sin, mata, eadhon anam mhic an duine air a thionndadh gu h-òr an taobh a staigh dheth! [TD 72] AT THE BACK OF THE WIND [Beurla] [TD 73-85] [Beurla] [TD 86] [Beurla] CUID NAM FINEACHAN THA a’ Phàrlamaid a nis ’na tàmh, agus Bille Mhr Sinclair gu tur air a dhi-chuimhne. Is glé bheag de dh’ùine na Pàrlamaide a chaidh bhuileachadh air, agus am measg an luchd-neo-chiontais, fhuair i binn is ditidh a chuir as da. Chaidh de dh’ùine chaitheamh ri Bille nan Sgòilean Sasunnach is nach robh dòigh no rathad air buntuinn ris an fhearann; agus aon uair eile, dh’fheumadh an Croiteir Gàidhealach sàr fhoighdinn a bhi aige. [TD 87] An iomadh dòigh, nar beachd-ne, bu mhaith an airidh am Bille sin a bhi air a chàramh fa chomhair na Pàrlamaide, agus a bhi air a dheanamh ’na lagh do’n Rioghachd. Bha iomadh ni ann, mar a thuirt sinn féin aig an àm, “a bha anabarrach maith airson nithean na beatha-sa, is buileach feumail, mar an ceudna”. Ach, an aghaidh sin, chaidh binn-ditidh thoirt a mach ’na aghaidh leis a’ Phàrlamaid Shasunnaich, agus aig a’ cheart àm, chan ’eil e ni ’s mò air mhaireann. Gheall sinn anns ar n-àireamh mu dheireadh gu’n cuirinn an céill “na smuaintean a th’againn mu dhéighinn nam meanbh phongan a tha ga chomharachadh a mach”; ach a chionn is nach ’eil e an tir nam beò ni ’s mò, fhuair sinn saorsa bho na an fiachan fo’n robh sinn d’ar luchd-leughaidh. De mortuis nil nisi bonum. Chan ’eil feum dhoibh féin no dhuinn a bhi deanamh gul sa buaileadh ar basan, nuair a tha fear ar cridhe fo ’n fhòid! Ma théid buntuinn ris an fhearann anns an t-Seisein so tha tighinn, is dòcha gu’n tig atharrachadh mòr air dreach a’ Bhille air fada. Thubhairt Sir Iomhair Caimbeul-Bannerman e fhéin o chionn ùine ghoirid nach robh e tur toilichte leis; agus tha sàr fhios againn nach robh Mr. Sinclair agus a chàirdean am beachd nach robh e cho ceart sa bu chòir dha bhi. Ach, mur d’fhuair an Righ bàs, glaodhamaid uile le h-aon ghuth ag ràdh, “Gu’m bu fada beò an Righ!” Chan ’eil a’ chùis socraichte fathast. Air an aobhar sin, bithidh i fior bheòthail anns na làithean a tha ri teachd. Agus ciod a ni sinn an dràsda? Chaidh Bille [TD 88] maith, feumail air chall, a chionn is nach robh comas no rathad aige gu tighinn as a’ chruaidh-chàs anns an robh e; ach cha reuson sin idir airson sinn a bhi fo bhròn am feasd, agus a bhi cumail nar tosd gu deireadh an t-saoghail. Dùisgibh suas O Ghàidheil! Togaibh bhur guth! Na bithibh mar chrodh balbh, tosdach, is air ur buaileadh a thall sa bhos mar spréidh gun tuigse, ni’s faide! Cuimhnichibh air na daoine o’n d’thàinig sibh, agus seasaibh a mach gu duineil agus, cho fad sa bhitheas sibh beò, cumaibh an guaillibh a chéile! Brosnachadh eile do na Gàidheil, agus sin tur freagarrach do’n àm. Rachaibh air ball a staigh do Chomunn nan Croitearan nur badain is nur milltean; agus cuiribh ur eagal roimh dhuine air cùl an t-saoghail. Cuimhnichibh, mar an ceudna, nach ann gun trioblaid mhòir agus stri anabarrach geur is urrainn dhuinn ni’s eiginn duinn a dheanamh. Cha d’fhuair sinn an Reachd a chaidh a dheanamh o chionn corr is fichead bliadhna air ais, mur bith gu’n d’fhàs an Gàidheal car dàna, ladurna, aig an àm ud. Chan ’eil aona chuid Liberals no Tories a’ faicinn iomchaidh a bhi sparradh shochairean air sluagh gus an tagair an sluagh gu dian air an son, agus gus an nochd iad gu soilleir nach bi iad tur toilichte as an eugmhais. Chan àill le Dia an fheadhainn sin a chuideachd aig nach eil toil no miann gus an cùisean féin a thoirt air adhart. Cuimhnicheamaid, mata, anns gach àite is aig gach àm gur e Sinn Féin a dh’fheumas a bhi air ceann ar cuisean féin. Théid beannachd Dhé is soirbheachadh aimsireil leinn an déigh sin; agus cliù is iomradh ma bhitheas sinn dileas is eudmhor [TD 89] an cùisean ar dùthcha. Rachamaid air ar n-adhart, mata, gun tuille dàlach a bhi ann. Oir, far am bheil obair mhaith fheumail, is tur éiginneach ri bhi deanta, an sin biodh feachd nan Gàidheal air an cruinneachadh ri chéile. AIR URNAIGH (1) MA tha an-earbsa as sinn féin, earbsa à Dia agus deadh-fheum à thoirt à buadhan ar n-anma ’nan airm riatanach gu buaidh a chosnadh anns a’ chath spioradail, a réir is mar a dh’fhiach mi; is i an ùrnaigh, mar théid a nis innseadh, ball-airm a’s feumaile uile; a chionn is gur i a’s màthair, cha’n ann do na tri subhailcean sin a mhàin, ach do na h-uile ni a tha feumail gu sàbhaladh ar n-anma. So am feadan troimh an do thig a h-uile gràsan à Flathanas d’ ar n-ionnsuidh. Bheir an urnaigh air an Ti a’s àirde e fhéin ar comhnadh o chathair ghlòrmhor, agus le’r làmhan, ged lag iad, sgriosaidh e ar nàimhdean a’s miosa. Gus an urnaigh a chleachdadh mar is coir, tha na seòlaidhean so ri leanail. 1. Feumaidh sinn làn thoil a bhi againn seirbheis Dhé a chur air adhart gu ro dhùrachdach, agus anns an dòigh a’s taitneach leis. An toil so faodar a (1) An Cath Spioradail, gu bhi air a chur a mach an ùine ghoirid leis a’ Chlò-chlar Caitliceach 20, an t-Sràid Ard, Peairt. Bu chòir gu’m biodh aon dheth so aig gach Gàidheal air feadh an t-saoghail gu léir. [TD 90] dhùsgadh nar cridhe le beachd a gabhail, air na tri nithean so. A’ chiad rud, gu’m bheil còir shònraichte aig Dia air aoradh agus air seirbheis uainn as leth a bhuadan àillidh, mar tha a mhathas, a ghliocas, a mhaise, a chumachd, agus ’fheartan eile gun àireamh agus os cionn aithris. An ath rud, gu’n ghabh Dia nàdur-daonna, agus gu’n dochosg e tri bliadhna deug thar fhichead gu h-ànrach gus ar sàbhalach; gu’n dheònaich e ar creuchdan fuathasach a làimhseachadh le làmhan féin, agus an leigheas, chan ann le ola is fion a dhortadh unnta ach le ’fhuil phrìseil fhéin a thaomadh a mach, agus le ’choluinn a reubadh le sgiùrsadh drisean is tairngean. An treas rud, is e a’ mhiad sa ni e stà dhuinn a lagh a chumail, agus ar dleasnas a dheanamh, is gur ann le sin a mhàin a dh’earbas sinn buadhachadh air an Diabhol, ceannsachadh a thoirt as ar n-ana-miannan, agus ruighinn air onair clainn Dhé. 2. Feumaidh sinn creideamh beò a bhi againn, agus dòchas làidir nach diùlt Dia dhuinn an comhnadh a tha feumail dhuinn gus seirbheis dhìleas a dheanamh dha, agus ar n-anam a shàbhaladh. Is ionann anam làn dòchais, agus soitheach naomh anns an doirt Dia ionmhas a ghràs; agus mar a’s farsuinne an soitheach, is ann a’s pailte a thaomar tiodhlaicean ann troimh ùrnaigh. Oir cia mar is urrainn Dia, aig am bheil cumhachd gun chrioch, agus mathas nach tràigh, a thiodhlaicean a dhiùlt dhoibhse a tha e brosnachadh cho dian gus an iarraidh, agus d’am bheil e gealltainn a Spioraid Naoimh a thoirt, ma sheas gu’n iarr iad e le dòchas, agus le buan achanaich? [TD 91] 3. An àm teannadh ri ùrnaigh (is e beachd Dhé a thoileachadh, agus chan e sinn féin a bu choir a bhi nar n-aire); is ann a chionn is gu’m bheil Dia cur an dleasnais so mar fhiachaibh oirnn is gu’n iarraidh air éisdeach ach cho fad is a tha sin iomchuidh ’na shùilean-sa. Mar sin, géillidh ar beachd gu tur d’a thoil-se, agus cha lùb sinn toil Dhé ris ar toil féin. Is e a’s reuson dha so, gu’m bheil an toil againn olc, agus air a puinnseachadh leis an àrdan, agus gu tric aineolach air an rud a tha ri shireadh. Air an làimh eile, tha toil Dhé daonnan ceart, naomh, agus ana-comasach air dol iomrall. Agus air an aobhar sin, is i a bu chòir a bhi ’na riaghailt do na h-uile toil, agus gur seachran dol uaipe. Thugamaid an aire, mata, gu’m bi ar n-iarratasan air fad taitneach do Dhia, agus ma bhitheas an teagamh a’s lugha co dhiù a tha ar n-achanaich mar sin no nach ’eil, is còir dhuinn daonnan an gnothach ’fhàgail gu méinn a Fhreasdail. Ach, ma is i cùis shoilleir gu’m bheil an ni a tha sinn a’ sireadh taitneach do Dhia (mar tha gràsan, subhailcean agus rudan mar sin), iarramaid iad am beachd a mhòralachd a thoileachadh agus a riarachadh, a’ ruighinn air beachd sam bith eile air a naomhad. 4. Ma is math leinn gu’m faigheadh ar ùrnaigh éisdeachd, thigeadh d’ar deanadas co-fhreagairt di. Roimh ar n-ùrnaigh agus ’na déigh, chan fhuilear dhuinn ionnsuidh a thoirt air sinn féin a dheanamh toillteanach air na gràsan a tha sinn a’ sireadh. Oir, ùrnaigh is claoidh na leth-a-staigh, chan fhaodar ’dhealachadh o chéile, a thaobh is gu’m bheil an neach a tha ag iarraidh subhailc air bith (gun a cur an gniòmh), a’ buaireadh Dé. [TD 92] 5. Mu’n iarr sinn a’ bheag air bith air Dia, bu choir dhuinn taing a thoirt da le mòran umhlachd airson nan tiodhlaichean a bhuilich e oirnn a cheana. Faodaidh sinn so a chantuinn:— A Thighearna, a dheònaich as dèigh mo chruthachadh m’fhiachan a phàidheadh nad thròcair, agus mo threasraiginn o fhèirg mo nàimhdean ni’s trice na is urrainn dhomh innseadh, thig gu m’chobhair, a’ deanamh di-chuimhne air m’aimideachd agus mo mhi-thaingealachd roimh so, agus tiùraich dhomh am fàbhar a tha mi sireadh. Ach, ma dh’fhairgheas sinn, sa cheart àm anns am bheil sinn ag iarraidh subhailc àraidh air bith, ionnsuidhean o’n pheacadh a tha ’na h-aghaidh, is còir dhuinn taing a thoirt do Dhia airson a’ chothruim a tha e toirt dhuinn air an t-subhailc sin a chleachdadh; agus gur rud sin air am bu chòir dhuinn sealtuinn mar fhàbhar mòr san àm sin. 6. Ach, o’n is ann o mhathas Dhé, agus o thoradh beatha is pais ar Slànair, agus o ’gheallaidh éisdeachd gu bàigheil ris ar guth, a tha neart is brìgh na h-urnaigh air fad a’ tighinn, bu chòir a dùnadh an comhnuidh le facail de’n sheòrsa so:— “Guidheam ort, O Thighearna, as leth do mhòr thròcair fhéin gu’n éisdeadh tu ris an achanaich so, Troimh toillteannas do Mhic, deònaich am fàbhar so dhomh. Cuimhnich, O mo Dhia, air do ghealltanas, agus éisd ri m’ùrnaigh.” Air uairibh, cuideachd, faodaidh sinn eadar-ghuidh na h-Oighe Beannaichte Moire agus nan Naomh eile a shireadh; oir is mòr am maoidhean an làthair Dhé [TD 93] a tha toileach air onair a thoirt doibh a réir is mar a thug iad cliu dha ’nam beatha air talamh. 7. Feumaidh sinn leanail air a’ chràbhadh so; oir is cinnteach an gnothach nach fhaod Dia ùrnaigh bhuan, iriosal, a dhiùlt. Oir, ma thug buan achanaich na bantraich anns an t-Soisgeul buaidh air a’ bhritheamh eucorach, an urrainn an ùrnaigh againn a bhi gun éisdeachd o Dhia, a tha làn mathais? Agus mar sin, ged nach éisdeadh e ruinn san uair, ged nach biodh e, mar gu’m b’eadh gar cluinntinn, an déigh sin uile, cha bu chòir dhuinn ar dòchas a chall as a mhathas nach traogh, no a sgur de dh’ùrnaigh. Oir, is mòr an comas a th’aige, agus an toil gu math a dheanamh dhuinn. Uime sin, mur ’eil an fhàillinn againn féin, tha e cinnteach gu’m faigh sinn ar n-iarratas, no gu’m faigh sinn rud a’s feàrr, no, theagamh, an dà chuid. Mar is lugha a dh’fhairgheas sinn de thoirt dhinn, is ann a’s motha a dh’fheumas ar fuath is ar gràin oirnn féin a leasachadh. Ach an rathad is gu’n toir neart ar truaighe fhéin oirnn direadh suas gu tròcair Dhé a thoirt fainear; agus ar dòchas ann a mhiadachadh, agus chan e laghdachadh; a thaobh is gur h-ann mar a’s stéidheile a sheasas sinn am meadhoin aobhair mi-dhòchais, is motha a bhitheas ar duais. A dh’aon fhacal, na sguireamaid a feasda a thoirt buidheachas do Dhia. Thugamaid glòir d’a ghliocas, d’a mhathas, d’a thròcair, co dhiù a gheibh no nach faigh sinn ar n-iarratas. A dh’aon rud ged a thachair, bitheamaid socrach nar n-inntinn, agus anns gach càs, bitheamaid toillichte is striochte ri Freasdal Dhé. [TD 94] LITIR BAGRADH NAN IAPACH DO NA STÀIDEAN AONAICHTE LE’R CEAD, Ged a tha luchd riaghlaidh de’n dùthaich so miannach gu leòir air an lagh a chur an gniomh, cha toigh leis na Californaich na Iapaich a tha air a’ chòrsa; agus tha iad suidhichte gu’n cùm iad na daoine beaga, buidhe bho’n dùthaich so ma bhitheas e idir comasach dhoibh. Tha’n t-suim mharbhanta a thathar a nochdadh air còrsa na h-Atlantic mu theach a nall nan Iapach air a stéidheachadh air a’ bharail mhearachdach gur i so ceist a bhuineas do’n Iar a mhàin ’na fhallsachd nach bi ro dhuilich a dhearbhadh. Bho chionn deich bliadhna fichead, bha an teachd a nall o’n Eadailt, Austria, is Ruisia, a bha gu mòr air thòiseach, coimh-ionnan ris an teachd a nall bho Albainn, Eirinn, Sasunn a’ Ghearmailt, agus an t-Suain, ri sin bho’n Roinn Eòrpa air an làtha an diugh. Anns an àth dheich bliadhna fichead, an téid teachd a nall nan Iapach, ma leigear air adhart e, air thòiseach air sin o’n Roinn Eòrpa? Tha Iapan mu aon choigeamh ni’s lugha na an Fhraing, agus mheudachd Chalifornia. Comhla ri Formosa, tha 49,732,952 de shluagh innte, urad sa tha an sia Stàidean Shasainn Ùr, York Nuadh, Pennsylvania, Illinois, Ohio, Missouri, Texas, Indiana, Michigan, Iowa, Georgia, Kentucky, Wisconsin agus Carolina a Tuath. [TD 95] Tha ochd air fhichead muillion de na Iapaich ’nan tuathanaich, agus a’ deanamh am beòshlaint air 13,000,000 acair. Bho so, chi sinn nach ’eil aig gach teaghlach airson baile fearainn ach pios beag de thalamh 200 troidh am fad, agus 80 air leud, thar a chéile. Bhiodh so air a mheas nar tir-ne beag gu leòir airson taigh is garadh. Beachaichibh air tuathanach da’n fheudar bàrr gu leòir a thogail air crioman de thalamh a bhiodh ro bheag airson stòr Iordain Mharsh am Boston, no an t-Emporium an San Francisco. Thà an Iapan, faisg air 160,000 de mhìlltean ceithir-chèarnach; ach tha mu naoi-deicheamh dheth cho beanntach is nach gabh e àiteachadh, agus ged thathar a toirt as a h-uile oirleach de’n talamh barrachd toradh na thathar an àite air bith san t-saoghal, eadhon am Belge no san Ollaint, chan urrainn do dh’Iapan an diugh i féin a bhiadhadh. Tha i togail 25,000,000 buiseal de ris, 60,000,000 buiseal de dh’ eòrna, de chruithneachd, agus de sheagal ni’s lugha na dh’fhoghnas dhith fhéin, agus leis an sin, tha aice ri mòran de bhiadh a sheaghachadh. Air tàille so, feumaidh mòran de’n t-sluagh an dùthaich fhàgail airson am beo-shlaint a dheanamh. Is ann do Formosa, Corea, agus Manchuria is fhasa dhoibh a dhol, ach cha téid iad do na tìrean so far am feum iad a bhi ’nan saighdear-an-tochlaidh, ach is feàrr leo tighinn do na Stàidean Aonaichte, far am faigh iad ciùineachadh uile-dheiseil dhoibh, agus a réir am miann. Tha na fìrinnean so iomchaidh airson ar smuain. Tha’m buaireas so an California ni’s doimhne na ceist [TD 96] nan sgoilean. Ma gheibh riaghladh Iapan gach ni a réir an toil, chan ’eil teagamh sam bith nach bi, an taobh a staigh de dh’fhichead bliadhna, cor is 5,000,000 Iapach againn. Nochdaidh a leithid so de shruth-lionadh buil chomharaichte air ar ciùineachadh. Mar chumail os cionn so, chan urrainn sinn na Iapaich a leigeil a staigh gu saor-chomasach gun na raighailtean a tha cùmail a mach nan Sìneach a mhùthadh gu mòr air-neo an cur air chùl gu buileach. An àth uair a bhitheas mi sgriobhadh, bi facal no dhà agam mu na daoine geala. AM B. A. SAN FRANCISO, LÀTHA NAN TRI-RIGHREAN, 1907. [Beurla] [TD 97] Guth na Bliadhna LEABHAR IV.] AN T-EARRACH, 1907. [AIREAMH 2 DRUIMCEAT Is ro soilleir gu’m bu chòir gu’m biodh gach cothrom is meadhon a’s uarrainn sinn fhaighinn a mach air a thoirt gu làn bhuil airson maith is leasachadh ar dùthcha; agus gu’m biodh sàr fhios againn air staid is suidheachadh na h-Alba mar a’s motha a tha sinn dol a staigh do chùisean cudthromach ar dùthcha. A nis, thug sinn fainear nach ’eil sinn am bitheantas a’ deanamh mar sin, mar a’s mò a dh’fhaodas sinn. Am bitheantas, chan ’eil sinn a’ beachdachadh air Alba mar dhùthaich air leth—ni mò a tha sinn a’ beachdachadh air sinn féin mar mhuinntir air leth—ach is ann mar roinn bheag de dhùthaich, ris an abrar sa Bheurla North Britain, a tha sinn do ghnàth a’ sealtuinn oirre. Faodar a ràdh, an tòiseach, nach ’eil an dòigh so air a’ gabhail an cùisean dùthchasach na h-Alba mar bu chòir. Chan ’eil i slàinteil, freagarrach, iomchuidh air ar son, no airson nam feadhnach a tha ri tighinn as ar déigh. Cha b’ann idir mar so a bha ar sinnsearan a’ beachdachadh air cùis na h-Alba, ni mò is còir dhuinn gu’m biodh sinn féin a’ gabhail rithe anns an dòigh da’m bheil sinn a’ faighinn coire [TD 98] aig an àm. A’ bharrachd air so, tha e toirt oirnn gu bhi nar “Albannich Bheaga”. Tha fios aig a h-uile neach ciod is ciall do na briathran sin Little Englander; agus ged a tha sàr fhios againn gu’n deachaidh mi-bhuileachadh a dheanamh air na briathran ud an iomadh càs, agus gu’n deachaidh am buileachadh air mòran dhaoine nach robh gan toilltinn idir; gidheadh chan fhaodar àicheadh nach ann mar sheòrsa de mhi-mheas agus de mhagadh a bha e air a bhuileachadh orra, agus sin an lorg an droch chleachdaidh a bh’aca ann a bhi tighinn air cùis an dùthcha an dòigh a bha neo-fhialaidh, ro aireachail, agus a bha dol an aghaidh “spiorad na h-Iompaireachd”. A nis, is coma leinn féin co-dhiù tha no nach ’eil an Iompaireachd Shasunnach a’ cumail beò; agus anns a’ bheachd toinisgeach so, bu choir gu’m biodh sinn air ar leantuinn le gach fior Ghàidheal. Ach, is éiginn duinn a ràdh nach ’eil sinn a’ gabhail spéis no suim sam bith de’n t-seòrsa dhaoine ud a chaidh’ ainmeachadh sa Bheurla Little Englanders. Cha thaitneach leinn idir an dòigh air am bheil iad do ghnàth a’ tighinn air cùisean an dùthcha, ged is coma leinn féin (mar a thug sinn fainear a cheana) co-dhiù tha no nach ’eil toit nan Sasunnach ag éiridh ris na neoil. Ach, so an ni a tha sinn a’ dol glàn an aghaidh, gu’m bheil, am bitheantas, dith air gràdh-dùthcha is inntinn chumhann aig a’ bhonn. Cha iomchuidh dhuinn a bhi beachdachadh air ar dùthaich féin mar a tha na daoine beaga an Sasunn a’ beachdachadh air cùis an rioghachd chionn gur ann direach mar sin a bha sinn do ghnàth a’ gabhail rithe roimh so; agus ciod e an t-aobhar a’s feàrr agus a’s [TD 99] simplidh a th’againn a los ar tuiteam sios a leigeil ris gu soilleir dhuinn na dith air gràdh-dùthcha comhla ri aineolas is neo-fharsaingeachd a thaobh cridhe is inntinn? Anns na bliadhnaichean a thréig, bha sinn am bitheantas nar “Albannaich Bheaga”. Cha ghabh sinn beachd no suim air bith de na “daoine o’n d’ thàinig sinn”; agus chaidh sinn air ar n-adhart mar dhaoine d’an robh eachdraidh na h-Alba is treubhantas ar sinnsearan mar leabhar tur duinte. Bha Albainn is cùisean dùthchasach cho glan as ar freadharc is as ar n-inntinn agus nach robh iad riamh idir ann. Rinn sinn bòsd as an dòigh san robh sinn gan di-chuimhneachadh; agus mar a’s luaithe a bha sinn a’ fàs gu bhi nar Sasunnaich, is ann a’s mò a bha sinn a’ cur ar cuil ri cleachdannan Albannach; agus mar a’s motha a bha sinn a’ cur ar cuil ri Albainn is cùisean Albannach, is ann a’s luaithe a bha sinn a’ fàs gu bhi nar Sasunnaich. B’ann airson so a mhàin—se sin ri ràdh gu’m bitheadh sinn air ar mealladh is air ar tarruing air falbh, lion beag is beag, o bhi beachd-smuainteachadh air Albainn agus cùisean Albannach; nan daoine o’n d’thàinig sinn, agus gu h-àraidh oirnn féin mar mhuinntir air leth—gu’n d’thug na Sasunnaich “Breatunn” orra féin, agus gu’n do dh’aontaich iad gu bhi air an sloinneadh mar “Bhreatunnaich”. Thuig iad gu’m biodh sinn féin, seach iadsan, a ghabhas an rathad gu sgrios, do bhrigh gu’m bheil iad ’nam muinntir mòran na’s lionmhoire agus na’s beartaiche na tha sinn fèin aig an àm; agus mar is ann mar so a tha e, is coma leo féin co-dhiù a tha iad air an sloinneadh mar “Bhreatunnaich” no nach ’eil. Chan ’eil e idir coma- [TD 100] sach do’n ni a’s lugha an ni a’s motha a shlugadh suas: air an làimh eile, am bitheantas tha an dàra h-aon a’ fairtlicheadh air an aoin eile. Ghabh na Sasunnaich beachd air so, agus thòiseach iad, lion beaga is beag, ri’r tarraing air falbh o smuaintean dùthchasach. An tòiseach, thug iad North Britain mar ainm air Albainn; agus, mar so, dh’islich iad sinn, gar deanamh nar roinn bheag de’n “Eilean Bhreutannach”—an àite a bhi nar rioghachd, air ar bonn féin—agus sin airson aobhairean is troimh mheadhonan a’s dàicheile agus a’s simplidh a dh’fhaodar iad ainmeachadh. An déigh sin, ghoid iad a staigh do ar n-eachdraidh, a’ cur iomadh car is lub ann nach robh idir ann roimh agus a bha gan cuideachadh nach beag gu làmh-an-uachdar fhaotainn oirnne, comhla ris ar dùthaich. Chuir iad an dimeas, agus fo gheas, mar an ceudna, ar cànain féin, a’ teagasg dhuinn gu’n robh i ’na droch cainnt, air bheag luach, gun litreachas aice, neo-oillanta, gun fhiù, ’na seòrsa de chainnt thuathanach, agus gun bhi àraidh gu bhi air a h-ainmeachadh comhla ris a’ Bheurla. Ach cha b’e so uile e. Theagaisg iad do ar cuid cloinn gu’n robh Albainn ’na dùthaich bhochd, neo-luachdmhor, shuarach, mi-bheusach, is neo-ainmeil fhad sa bha sinn ’nar dùthaich air leth, air ar cois féin; ach gu’n deachaidh sàr bheachdachadh is cliù anabarrach mòr oirnne cho luath sa dh’fhàs Albainn gu bhi ’na roinn de “Bhreatunn,” agus sinn féin gu bhi nar “Breatunnaich”. Tha na nithean so so-thuigsinn; do ar chàirdean thar an t-Srutha; ach dhuinn féin, chan ’eil iad fathast soilleir. “Similarly she (Sasunn) has humbugged the Scotch, whose Parliament she strangled [TD 101] when Scotland had risen to a degree of commercial power at which England quaked, and which Scotland has forgotten all about. The average Scotchman today believes that his country, which was financially sounder than England 200 years ago, was saved from bankruptcy and anarchy by the Union. The Scotch even seriously propose to celebrate the bi-centenary of their undoing with bonfires and thanksgivings in this year of our Lord, 1907. When we have said our all against the English, we admit they are in one respect the most wonderful people that have ever trod the earth. They have been able to convince their victims that they rob them for their own good.” (1) Gu dearbh chan fhaodar àicheadh nach i Sasunn as mò a bhuannaich na Albainn leis an Aonachd. Mar tha sgriobhadair eile ag ràdh, “chaidh a’ chùirt rioghail agus gach airgiod a bh’air a sgapadh ’na lorg, a sguabadh air falbh gu deas. Chaidh a’ Phàrlamaid a thoirt à Duneideann, agus, mar an ceudna, Ard-Chùirt a’ Cheartais. Chan ’eil Lùchairt rioghail air a cumail a suas an Albainn ach a h-aon, agus chan ’eil aice sin féin ach an t-ainm. Cuin a dh’fhuirich righ no banrigh eadhon aon oidhche an Lùchairt Dhuneidinn? Ma bhitheas a dhith oirnn crioman beag de rathad-iaruinn a dheanamh eadar dhà bhaile, feumaidh sinn dol do Lunnainn, agus ar boineid nar dorn a dh’iarraidh cead… A thaobh ionmhais na Rioghachd, tha sinn a’ pàigheadh tuille sa chòir de chisean; ach chan ’eil sinn a’ faighinn air ais dlùth air na bu chòir dhuinn fhaotainn. Mar a thuirt Iarla Roseberi is sinne da rireamh ‘mart-bhainne na h-Iompair- (1) Sinn Féin, 16 là de’n Mhàrt so chaidh. [TD 102] eachd’. Théid sinne fharraid glé ealamh ma a bhitheas dad ri dheanamh no ri thoirt seachad; agus nuair a bhitheas sochairean ri’n riarachadh, cha bhi guth no cuimhne gu’m bheil sinn idir ann… Ach se ar beachd nach tig an là sam faigh Albainn ni sam bith coltach ri cothrom na Féinne gus am bi Pàrlamaid aice dhi féin an Duneideann chum a cùisean diomhair féin a riaghladh.” (1) Ach b’e cuspair a bu mhò sa bu chumanta a bha aig na Sasunnaich, sinne a tharraing air falbh, lion beag is beag, o bhi beachd-smuaineachadh oirnn féin mar mhuinntir air leth. Gus a’ chrioch so a chosnadh, thug iad “Breatunn” orra, agus ghabh iad gu toilichte ris na “Breatannaich,” mar a thuirt sinn mar tha. Gu h-àraidh, ghabh iad cùram mòr nach robh mòran cothruim air a leigeil leinn tre am faodadh sinn cuimhne a dheanamh air “na laithean a thréig” is air na laoich “o’n d’thàinig sinn”. Bu “Bhreatunnaich” sinne da rireamh—is e sin ri ràdh, sluagh Shasunnaich. Air an aobhar sin, cha bu chòir is cha b’iomchuidh gu’n cumamaid cuimhne air ni no air neach sam bith air nach deachaidh riamh a sheuladh, le comharradh mòr, priseil, nan Sasunnach a tha air an aodachadh le aodaich nam Breatunnach. Faodar làn cuimhne air an eachdraidh is air an laoich a bhi aig gach dream eile; ach do no Gàidheil, feumaidh a dhiùltadh. A réir coltais, cha robh iad riamh ’nan cinneach air leth; ni mò tha iad àiridh gu bhi air an ainmeachadh am measg muinntir an t-saoghail. Faodar Polanaich is Iudaich, Sinich is Fionnaich (gun tighinn le guth air mòran chinneach eile) tlachd (1) Oban Weekly Times, 15 là de’n Mhàrt. [TD 103] is buannachd a ghabhail as an cuid eachdraidh. Faodar iad uabhar ceart a tharraing uaithe, a’ deanamh taigh-freiceadain is dion dhith dhoibh féin, mar gu’m b’eadh; ach “am bheil e iomchuidh aran na cloinne a ghabhail agus a thilgeadh do na coin?” “Nar leigheadh Dia!” ars ar càraid crabhach “Breatunnach”. Cha robh na Gàidheil riamh ’nan cinneach air leth. Chan ’eil eachdraidh do’n làimh féin aca. Ciod i an fhuaim ud ris an abair iad an “cainnt,” ach mar sheòrsa de bheulas, neo-oileanta, neònach is tur borba? Nach iad daoine foghlumta a tha ag ràdh nach ’eil a’ Ghàidhlig ’na cainnt idir? Coma co-dhiù, b’e sin an ni faoin is buileach ise a coimeasachadh ris a’ Bheurla—cànain na h-Iompaireachd féin air nach ’eil a’ ghrian a’ dol idir fodha. Rule “Britania!” Faodar Polanaich is Fionnaich stri a dheanamh a los cuing an luchd-foirneirt a thilgeadh bharr an guailibh, agus théid sin gu maith leis ar càirdean “Breatannaich” taobh thall nan Crioch Albannach. Gu dearbh, is cleachdadh leis na “Breatannaich” a bhi brosnachadh feadhnach eile, agus gu bhi ’nan “càirdean do Shaorsa” is do chòireachan dùthchasach a mach as an dùthaich aca, nuair nach ’eil sin a’ dol an aghaidh am buannachd féin. Cia lion ùair nach ’eil sinn a’ faicinn nan Sasunnach—tha sinn ag iarraidh mathanais—nan Breatunnach Ura deanamh tarcuis air na Ruisianaich airson an cuid an-iochdmhorachd do no Polanaich? Cia lion ùair nach ’eil sinn a’ cluinntinn nan Sasunnach a’ brosnachadh muinntir eile gu “cuing an fhir-fhòirneirt” a thilgeadh bharr an guaillibh? Ach a thaobh ar dùthcha féin, ciod e suidheachadh an smuaintean, [TD 104] cia mar a tha iad a’ beachdachadh air “cùis na h-Alba”? Chan ’eil sinn ag ràdh nach d’rinn na Ruisianaich foirneirt air na Polanaich, agus nach ’eil iad a’ deanamh eucoir mhòir ann a bhi riaghladh na dùthcha ud an aghaidh toil is miann a muinntir féin; ach, chan urrainnear àicheadh nach d’thig soirbheachadh air na Polanaich fo chuing nan Ruisianach. Tha iad mòran na’s beartaiche agus na’s lionmhoire na tha Gàidheil na h-Alba is na h-Eirinn aig a’ cheart àm so. Coma co dhiù, tha àite tàimh aig an taigh aca. Chan ’eil iad an geall is fo gheas dùthchannan eile a thoirt orra airson dith fearainn ann an tir féin. Eisdibh ris na tha paipear Eireannach ag ràdh mu’n chùis so. “Between the treatment of the two countries by their foreign rulers there is no comparison. Poland has quadrupled in population and material wealth under the Russians—she has been; granted and confirmed by them in local governing institutions with powers transcending those possessed by the local governing institutions in Ireland—she has received a system of education with which it would be ludicrous to attempt to compare the system England has introduced into Ireland; her taxation is infinitely lighter than the taxation of the Irish people, and her language is officially recognised, and both it and her history are now taught in the public schools. Sixty years ago her population was little more than equal to half the population of Ireland—it is now thrice as great. Sixty years ago her wealth would have been estimated at probably 40 per cent, that of Ireland. To-day the estimate would place it at some; 500 per cent, higher than ours. While England has [TD 105] been steadily extirpating our people and plundering our country, Russia has been steadily increasing her Polish subjects in numbers and prosperity. And all the time England has been telling her duped Irish serfs how the poor Poles were being knouted, impoverished, Siberianised, and generally driven to curse God and die by the barbarous Russians. The game of blackening her neighbours is an old one with England. In the case of Russia it has so well succeeded that there is not one man in twenty in Ireland who does not honestly believe that the Poles are subject to the same oppression as we are ourselves. “‘Russian’ Poland is about half again as big as Ireland, and carries over 200 persons to the square mile, against Ireland’s 136. Its chief city is bigger than Dublin and Belfast combined, and its second city—Lodz—which is as large as Dublin, is the most prosperous manufacturing centre of the Russian Empire.” (1) Gu dearbh is gann is urrainn sinn ar cànain féin a thoirt gu bhi air a teasgasg ann ar cuid sgoilean. Tha sinn air ar bacadh is air ar chur fo ghad anns an gnothach, agus sin anns gach dòigh is air a h-uile rathad a dh’fhaodadh na “Breatunnaich” an Sasunn a chleachdadh. Anns na làithean a chaidh seachad (gu ro fhortanach) bu chleachdadh leinn an t-arm dearg a thoirt oirnn, agus dol thar a’ chuain gu bhi mar shaighdearan do na “Breatunnaich” anns na dùthchannan ud nach bhuin idir dhoibh. Air iomadh blàr ainmeil, fhuair sinn a’ chuid a’s feàrr de’n nàimhdean; ach, an déigh na h-uile ni, ciod e a (1) Sinn Féin. [TD 106] b’fhearrd sinn sin? Fhad sa bha sinn a’ deanamh mar sin, ghabh ar riaghladairean “Breatunnach” gu taingeil ris, gun eadhon uiread sa h-aon thank you! “Breatunnach” a thoirt seachad dhuinn! Gu cinnteach, a dh’ionnsuidh a’cheairt rathaid so, bha buannachd nam Breatunnach neo-fhirinneach gar triall. Cha thaitneach leo idir sinn a bhi beachd-smuaineachadh, sa meorachadh, ni mò a bhi cuimhneachadh air eachdraidh ar dùthcha is nan daoine o’n d’thàinig sinn, do bhrigh nach robh iad tur sochrach anns an inntinn mu thimchioll na dòighe anns an deachaidh mealladh oirnn. Bha iad daonnan air am bagairt is air an cur fo iomagain le cunnart àraidh—ciod a b’urrainn iad a dheanamh chum làmh an uachdar chumail oirnn ma dhuisgeas sinn a suas gun fhios doibh? Nam b’urrainn iad di-chuimhneachadh a teagasg dhuinn agus a leigeil oirnn gu bràth, bhiodh iad sochrach gu leòir ’nan inntinn. Nam b’urrainn iad a thoirt oirnn ar n-eachdraidh féin a leigeil air di-chuimhne, agus ar cànain féin a chur gu taobh—an sin gun teagamh bhiodh a’ chùis mar bu chòir, agus ceart mar a bha ar càirdean “Breatunnach” a’ gabhail rithe. Nam b’urrainn iad a thoirt oirnn gu bhi ’nar “Breatunnaich” co-samhuil riu fhéin, agus, a dheòin no a dh’aindheoin, ar cul a chur ri teanga agus tir—bhiodh an sin, a’ chrioch aighearrach, shochrach, chiatach do’n ghnothaich air fad. Dh’fhàsadh sinn nar “Breatunnaich” agus dh’fhàsadh na “Breatunnaich” ’nan Sasunnaich. Dé a’ chrioch na’s feàrr na sin a’s urrainn duinn smuaineachadh? Ach— Chuala gach uile Ghàidheal ni eigin mu Chumhnant ainmeil ud a chaidh a chur air bonn le Naomh [TD 107] Colum Cille, agus ris an canar “Cumhnant Dhruim-ceait”. B’ann sa bhliadhna 575 a chaidh a chur air chois, agus b’e aon de na chuspair a’s mo agus a’s feumaile a bh’aige sith is cairdeas blath-chridheach a shuidheachadh gu bràth eadar daoine na h-Alba agus daoine na h-Eirinn. A réir a’ Chumhnaint iomraideaich so, cha robh làmh-an-uachdar gu bhi aig an aon dùthaich seach an té eile. Bha càch gu bhi ’nam muinntir air leth; ach chaidh sparradh gu dian air gach taobh dhiubh leis an Naomh a rinn e iad a bhi fhad sa bhitheadh an saoghal a’ seasamh mar chàirdean is mar fhior chomh-luchd-cuideachaidh do gach aon a chéile. B’e sin, am beagan briathran, Cumhnant Dhruimceait, agus, fad mòran bhliadhnaichean, chum an dà dhream gu dileas is gu dlùth ris. Faodar a ràdh gu’n robh Albainn is Eireann mar aon dùthaich anns na làithean a dh’aom, ged nach robh aon air bith dhiubh air a’ bheag no mhor de dh’ eismeil a chéile. Chaidh soirbheachadh air gach taobh is anns a h-uile rathad leis, agus fhad sa bha e aig ar bonn, cha d’fhuair riamh ar nàimhdean-ne a’ bhuannachd a’s lugha asainn—cha d’fhuair iad riamh a’ chuid a’s feàrr oirnn. Ach, thàinig na droch làithean mu dheireadh, agus thàinig còrr is “tri mallachdan nan Gàidheal” ’nan lorg. Leis na h-ionnsuidhean a rinn na Lochlannaich air ar cladaichean, chaidh a bhristeadh is a sgapadh car tamuill. Thug na h-Eirionnaich gu cogadh ri gach a chéile, ionnus nach robh sith no socair r’am faotainn air feadh ceitheir roinnean na dùthcha; agus thuit na h-Albannaich, mar an ceudna, air nòsan dona is anabarrach neo-bhuannadail. Rinn ar cuid riaghlad- [TD 108] airean di-chuimhne air a’ Chumhnant, agus air na bh’ann; agus, an àite a bhi ga chumail a suas mar a dh’aithne Colum Cille dhuinn, chuir iad an cul ris, agus rinn iad stri mhòr chum criochan Alba a farsuinneachadh sa meudachadh air taobh deas na dùthcha. An sin, thàinig Feudalism a staigh a dh’Albainn, agus, am measg nan ni uile a bha cogadh an aghaidh an t-seann Chumhnaint is dòcha gur e so an ni a bu chumhachdaiche sa bu sgriosaile a bh’ann. Fa dheoidh, leigeadh Druimceat gu buileach air di-chuimhne air feadh a’ chuid as mò de’n dùthaich, agus, fo riaghladh nan Stiùbhartach, chaidh Albainn an sàs leis na Frangaich. Ach an taobh siar na dùthcha, sheas a mach Tighearnan nan Eileann fad ùine mhòir mar fhir-dhionaidh do’n t-seann Chumhnant, agus chruinnaich na Gàidheil o gach taobh gus an cuideachadh. Da rireamh, bu fhuilteach is dùrachdach an cogadh a bha eadar Tighearnan nan Eileann agus Righrean nan mathraichean; ach fa dheoidh thug na Stiùbhartaich buaidh air na Dòmhnullaich, agus chaidh an sgapadh agus an cur fo bhinn le achd na Pàrlamaide. An sin, thuit an càirdeas a bha eadar an dà dhùthaich gu buileach gu làr. Ghluais uisgeachan na di-chuimhne thairis air, agus dh’fhairtlich air eadhon ainm Dhruimceait e fhéin urachadh, no a h-aon aith-chuimhneachadh a chàramh an cridhe agus an inntinn nan Gàidheal. Agus is ann mar sin a bha e fad ùine mhòir. Mar a chaidh di-chuimhne air Druimceat is air na seana nithean Gàidhealach, mar sin bha na Stiùbhartaich fhèin air an di-chumhneachadh, agus gach cùis a bha fuaighte riusan. Lion beag is beag, agus ceum an déigh ceuma, ghoid na “Breutannaich” agus an [TD 109] teanga choncharra a staigh do thir nam beann; agus, air dhoibh stiùradh air ar cuid sgoilean fhaotainn, an sin dh’ionnsaich iad gu’n robh ar cànain féin is ar cleachdainnean gun fhiù, gun stà sam bith duinn féin agus do neach-eigin eile, mur robh iad buileach docharach; agus gur h-ann mar a’s luaithe a bha sinn gan cur gu taobh, agus gan leigeadh air di-chuimhne, is ann a’s luaithe a bhitheadh sinn a’ tighinn air ar n-adhart, agus a’ daingneachadh ar sochairean anns an t-saoghal so. Fhuair iad greim air ar cuid cloinne, mar gu’m b’eadh, agus troimh beul luchd-bruidhinn na Beurla, dh’ionnsaich iad iad gu bhi a’ deanamh tàire air an cainnt mhàthaireil is dhùthchasach, agus oidheirp a thoirt gu bhi ’nam “Breatunnaich” coltach ri ’n luchd-teagaisg féin. Ghabh iad làn ghréim air gach cothrom is ana-cothrom a dh’fhaodadh iad a chleachdadh gu ar n-eachdraidh a leigeil air di-chuimhne, agus sinn féin a tharraing air falbh o gach ni leis am faod sinn cuimhneachadh air na daoine o’n d’thàinig sinn; agus o bhi beachd-smuaineachadh annainn féin cia mar a sheas ar tir is ar teanga anns na làithean a thréig. Ach, a dh’aoindheoin so uile, cha deachaidh soirbheachadh leo—cha deachaidh Druimceat buileach air di-chuimhne, ged is mòr an tàir is an dearmad a rinneadh air roimh so; agus tha sinn a’ gabhail de dhànadas a ràdh nach deach idir fathast. Ni mò a tha sinn dol ar cùl a chur ris ar cànain aosda bhlasda féin, agus, chum toil-inntinn a chur air na “Breatunnaich” an Sasunn, gu bhi mar luchd-brathaidh a thaobh ar cleachdeannan dùthchasach is teagasg nan laoch o’n d’thàinig sinn. Chan ’eil a’mhian oirnn, [TD 110] mar an ceudna, gu bhi nar “Breatunnaich”. Is sinne fior Ghàidheil na h-Alba, agus foghnaidh sin aig an àm. Is anabarrach taitneach is buannachdach leinn, cuideachd, ar n-eachdraidh féin a rannsachadh, agus a bhi ga leughadh sa meòrachadh oirre a h-uile là; agus tha sinn trang ga cur anns gach sgoil air feadh na dùthcha gu léir. Is taitneach leinn, mar an ceudna, a bhi sealltainn air Gàidheil na h-Alba is na h-Eirinn mar mhuinntir air leth: chan ’eil sinn deas ar còir-bhreith a reic airson cuid nam “Breatunnach”. Ged is trom, fada, an sùain a chaidil sinn, gidheadh, tha’n t-àm dùisgidh a ris dlùth oirnn: togaidh a’ Ghàidhlig a guth binn air àrd a ris; agus bithidh ughdarras is cumhachd, sòlas is soirbheachadh, aig ar cinneach fathast aon uair eile. Cuiridh sinn air bonn a ris an seann chàirdeas a chaidh a chur air chois eadar Albainn is Eireann anns na làithean a ghabh seachad. Is bràithrean Gàidheal na h-Alba is Gàidheal na h-Eirinn: is sinne, da rireamh, ’nar n-aon dream. Mar sin, bu chòir gu’m biodh làn eòlas is càirdeas blàth-chridheach eadaruinn. Seasamaid a mach air an t-aon stéidh. Nach i buannachd Alba mar bhuannachd na h-Eirinn, mar a thubhairt Naomh Colum Cille e fhéin? Ma dh’fhàsas sinn mar aon a ris, anns an dòigh sin, anns a’ mhodh ud, agus anns an t-seadh sin a dh’aithne Colum Cille dhuinn; gu dearbh, soirbhichidh sinn gu pailt; fàsaidh sinn a suas nar cinnich mar “bhlath nan raointean”; sgaoilidh ar n-iomradh air feadh an t-saoghail gu léir aon uair eile; agus cha toir geatachan nam “Breatunnach” buaidh oirnn gu bràth. [TD 111] FORMER GAELIC MOVEMENTS II. [Beurla] [TD 112-123] [Beurla] [TD 124] A’ BHAN-RIGH NEO-ÉIFEACHDACH I. A H-ARACH AGUS A NÀDUR ANN a bhi dlùthachadh air a’ chùis chudthromaich, mhuladaich so, se sin ri ràdh rioghachd Ban-Righ Màiri, agus na h-aobharan a thug dith is faillinn is sgrios oirre féin agus air crùn sa a teaghlaich; chan fhaodar àicheadh nach robh i tur mi-fhortanach o’n tòiseach, agus nach do dhiteadh ise air lorg a deanadais féin; anns na daoine a bha mu’n cuairt di fad a beatha; san linn san robh i beò; agus anns an dòigh san d’fhuair i a h-arach an àm a h-òige. Tha na ceithir nithean so ga diteadh gu buileach. Ach is dòcha gur h-ann do bhrigh gu’n robh easbhuidh mhòr banalais air a’-Bhan-Righ mhi-fhortanaich so a thaobh a nàduir is a’ h-inntinn féin is gu’n robh i cho neo-eifeachdach is cho neo-shoirbheasach sa bha i fad a saoghail. Bha Màiri air a breith aig àm anabarrach buaireasach, trioblaideach, agus nuair a bha an dùthaich air a bagairt an dòigh air nach d’thugadh riamh bàrr an eachdraidh ùtagaich na h-Alba. Faodar a ràdh le mòr fhirinn gu’n robh i ’na leanabh mi-fhortanach, mi-shona eadhon bho ùair a breith, agus gu’n do dh’fhàs i gu bhi ’na cuspair do dhaoine aingidh, aimhreiteach is anabarrach féineil nuair a bha i fathast anns a’ chreathall. Nuair nach robh a’ Bhan-Righ òg ach ’na leanabh beag, chuireadh air falbh i do’n Fhraing, a chionn nach robh a rioghachd féin soirbh is siochail gu leòir [TD 125] di airson a h-àrach. Nach ann an so a th’againn aon de na h-aobharan a’s motha, a’s muladaiche, agus a’s cudthromaiche a’s urrainn sinn fhaotainn airson fàiluing is sgrios Ban-Righ Màiri? Leanabh beag air a spionadh air falbh gu garg o ghàirdeanan a ban-altruim, agus air a cur air falbh do dhùthaich choigreach comhla ri coigrich. Cha robh màthair aice (1): cha robh athair aice. Is beag nach robh Màiri ’na paisd mi-shona chuilbheartach, “air a breith aig àm mi-fhreagarrach,” mar gu’m b’ead; sean roimh àm a h-òige, is air a diteadh gu bhi ’na ceann-aobhar farmaid is comh-stri mu’n gann gu’n robh i bhàrr na ciche! B’ann air an dara là de’n Lùnasdail sa bhliadhna 1548 a ràinig Ban-Righ Màiri an Fhraing, agus aig an àm bha i mu shia bliadhna a dh’aois. Is beag a’s aithne dhuinn de roimh-eachdraidh Ban-Righ òg na h-Alba. Fhuair i fasgadh is àrach aig Cùirt an dàra Righ Eanruig; agus mar tha Mr. Lang ag ràdh “tha fios aig a h-uile neach dé seòrsa Cùirt a bh’ann an so” (2) Fhuair i Diana de Poitiers mar charaid di; agus nochd Cairine de Medici, Ban-Righ na Frainge, mòran caoimhneis is aoidheachd do’n fhògarach rioghail òg. Mu’n robh i ach dùsan bliadhna a dh’aois, chaidh a cur do Mhanachainn a los gu’m faigheadh i foghlum a bha freagarrach d’a h-inbhe, agus do’n chreideamh anns an robh i air a breith. Ghabh brathair a mathar anabarr curaim dhi, mar an ceudna, agus chuir e fo (1) Se sin ri ràdh cha d’fhuair Màiri a h-àrach fo shùil a mathar. Air dhi Albainn fhàgail, cha d’thug i sùil riamh air Màiri Ghuise, fhad sa bu bheò i. (2) History of Scotland, II. Leabhar, 40 t. [TD 126] dheadh fhir-theagaisg i, agus leis an deachaidh a h-àrach an dòigh a bha buileach freagarrach d’a gnè agus d’a h-inbhe uasail àird mar Bhan-Righ na h-Alba. A dh’aon fhocal, chaidh a h-àrach air adhart gu sunndach anns gach ni feumail is eireachdail. Bha na’s motha na sia cànain air an teasgasg dhi le a cuid maighsteirean—is e sin ri ràdh, an Laideann, a’ Ghreugaisg, an Fhraingis, a’ chànain Eadailteach, cainnt na Spàinne, agus a’ Bheurla; ach mo thruaighe! cha d’fhuair i a’ bheag no mhòr de ionnsachaidh, a réir coltais, air a’ Ghàidhlig—cànain bhlasda, ghrinn, nam beann is nan gleann. Dh’fhàs i gu bhi ’na deadh bhàrd Frangach co-dhiù; agus sgaoil a h-iomradh mar sheanachaidh is mar bhoirinneach geur-labhairteach air feadh Chùirtean na Roinn Eòrpa. Bha i anabarrach eòlach is teòma air ceòl is air dannsa, agus mar bhoirinneach-deanadach an obair ghreis nach robh a leithid furasda ri fhaighinn. Bha i anabarrach eireachdail ’na pearsa, agus ciatach is bàigheil thar choimeas am modh. Cha d’fhuair duine sam bith riamh diomb no aobhar gràin innte, ach am bleidire, mi-mhodhail ud Iain Knox a sgriobh mu dheidhinn na Ban-Righ òig eadhon aig àm cho tràth sin mar so. “The Cardinal of Lorane gat her in his keeping, a morsel I assure you meet for his own mouth.” (1) Ach ged a bha a’ Bhan-Righ òg a’ cinntinn is a’ meudachadh agus a’ fàs na’s eòlaiche, na’s làidire, na’s treuna agus na’s ainmeile mar a bha na làithean a’ ruith seachad oirre, gidheadh chan fhaodar àicheadh nach robh i air a cuairteachadh le daoine is nithean (1) Knox, i., 219. [TD 127] car dochaireach is coirbte annta féin. Cha robh a’ Chùirt Fhrangach ’na ionad freagarrach is fallain—ged a bha i ’na Cùirt na’s àrd-mhodhaile agus na’s uaisle a bha r’a faotainn air uachdar an t-saoghail gu léir aig an àm ud—do’n Bhan-Righ òig; ni mo a bha i mar bu choir dhi airson àrach neach a bha cho so-dhruightreach, agus cho simplidh ’na h-inntinn sa bha Màiri na h-Alba. Gidheadh, ghabh Righ Eanruig e fhéin os làimh seòladh air foghlum follaiseach na Ban-Righ òig, agus thagh e luchd-teagaisg di a chaidh a roghnachadh à measg a Mhinisteirean fhéin, agus a bha ainmeil air feadh tir-mòr na Roinn Eòrpa airson an eòlais is na sgil a bh’aca anns gach cùis dhùthasach na Frainge. Mar so, chaidh a h-àrach air adhart gu clis; ach, mar bu nàdurra, se maith is teachd-air-adhart na Frainge a mhàin a bha aig Righ Eanruig agus a Mhinisteirean mar chuspair seach maith is teachd-air-adhart na h-Alba. Bha an Righ e fhéin ’na dhuine tapaidh is tionnsgalach gu leòir, agus anabarrach cuilbheartach ’na rùintean airson teachd-air-adhart saoghaltach agus cumail a suas na rioghachd aige. Agus direach mar sin bha feadhainn a thug cobhair dha anns a’ chùis. Gu cinnteach, is iomadh dearbhadh soilleir, mulladach a tha ri’m faotainn an eachdraidh air féinealachd, cuilbheartachd, is ceilg Righ na Frainge agus a luchd-leanmhuinn. Is e so an rùn no’n cuspair as mò a bh’aca, an Spàinn, comhla ri Sasunn, a dh’isleachadh agus a chumail fo’n cois mar a’s feàrr a dh’fhaodadh iad, agus ged a bha Righ na Spàinne ’na riaghladair Caitliceach, cha robh spéis [TD 128] no curam sam bith aig Eanruig ri sin, agus sin aig àm nuair a bha’n Eaglais Chaitliceach a’ dol air dhith an iomadh àite air feadh tir-mòr na Roinn Eòrpa. (1) B’e duine meagh-bhlàth, neo-dhealasach, a bh’ann Eanruig a thaobh cor a’ chreidimh Chaitlicich chan ann a mhàin an Albainn ach eadhon anns an Fhraing i féin; agus; mar tha’n t-Athair Pollen ag ràdh b’e an rùn-san, “to endeavour to cloak a policy of compromise with the appearance of being ‘thorough’.” (2) Anns a’ bhliadhna 1548, chuir an Righ Frangach duine d’am b’ainm Melville a dh’ionnsaidh Alba, agus comhla ris, cumhachan air an do chuir e fhéin comh-chainnt ris na flàithean Prostanach. Thubhairt an Righ Frangach tre bheul an tosgair Albannaich, “Gif it be only Religion that moves them, we mon commit Scottis men’s sauls unto God, for we have enough ado to reull the consciences of our awen contre men…” (3) Is e so beachd an Athar Pollen mu’n ghnothach. “When we remember that this message was sent surreptitiously, by a messenger of dubious loyalty, to men who were the inflexible enemies of his faith, we can hardly believe Henry’s professions that he was waging the war of religion with deep religious earnestness. Our doubts are not diminished when we find him sending fresh temporising messages to Scotland through Bethancourt at the very moment he was loudest in his protestations to the Pope.” (4) (1) Airson iomadh dearbhadh sònraichte is cudthromach air so fhaotainn, rannsachaibh Relations Politiques de la France et de l’Espagne avec l’Ecosse au xvie Siècle, le M. Teulet. (2) Papal Negotiations. Scottish Hist. Soc. Roimh-ràdh, 32 t. (3) Ibid., t. 32, 33. (4) Ibid. [TD 129] Anns a’ bhliadhna, 1295, chaidh Cumhnant a dheanamh sa chur air bonn eadar Albainn is an Fhraing. B’e Philip le Bel agus Iain Balliol a chur an làmh ris an tòiseach, agus an ceann bliadhna an déigh sin, dh’éirich Balliol an aghaidh nan Sasunnach gus am fuadhach a mach a Albainn. Mar so, thoiseach an cairdeas làidir ud eadar an dà dhùthaich, agus a lean fad mòran bhliadhnaichean an déigh sin. Fhad is a mhair e, faodar a ràdh gu’n robh e ’na mhathair-aobhair de thrioblaid is de dhorran thar chunntas do chàch a chéile. (1) Tha’n t-Ollamh Hume Brown ag ràdh gu’n robh e tur mi-fhortanach eadhon bho thoiseach; (2) agus ged a tha feadhainn eile ga mholadh, gidheadh is ann mar sheòrsa de mhi-mheas agus de mhi-chliù a tha sin a’ tighinn a mach uatha. (3) Is cinnteach gu’n robh e ’na aobhar dith is calla do Albainn air fad. Rinn na Frangaich a’ chuid a’s mò agus a’s feàrr dheth co-dhiù. Nuair a chaidh sith a dheanamh eadar an Fhraing is Sasunn sa bhliadhna 1303, leig Philip dheth Alba, agus rinn e cairdeas ri Sasunn gun ghuth a thaobh maith is socair na dùthcha so, no eadhon cead ar riaghladairean fhaotainn gu sin a dheanamh. Air an làimh eile, aig Beaugé, Crevant, Verneuil, agus air iomadh blàr ainmeil eile, fhuair na (1) Gu làn fhios fhaotainn air a’ Chumhnant so rannsachaibh na leabhraichean a leanas. The Scot Abroad, le Hill Burton; Marie Stuart et Catherine de Medicis, le M. Chesnel; Les Eccosais en France et les Français en Ecosse, le M. Michel. (2) History of Scotland, t. 25. (3) “The Scottish people profited in many ways through intercourse with the superior civilisation of France, but whether the State, as suoh, was a gainer by its alliance with that country is extremely doubtful” (Politics and Religion, le W. L. Matheson). [TD 130] Frangaich a’ chuid a b’fheàrr de’n nàimhdean do bhrigh gu’n robh iad air an cuideachadh gu mòr leis na h-Albannaich a bha gan leantuinn mar shaighdearan. Ach, cha robh a’ chuid a’s miosa de’n ghnothach an so. Thàinig Albainn gu bhi ’na seirbheiseach do’n Fhraing, agus gu bhi ’na h-eisimeil an rathad nach robh idir cliùiteach. Tha e air a chur as leth Riaghladair Gnuise gu’n do chuir i suarach na flàithean Albannach, agus gu’n do riaghail i an dùthaich air sgath a cuid Frangaich, agus troimh am meadhon-sa a mhàin. (1) Is cinnteach, mar an ceudna, gu’n do chuir Ban-Righ Màiri a làmh ri Cumhnant diomhair a chaidh a chur air bonn eadar i féin agus Righ na Frainge, agus leis an deachaidh saorsa na dùthcha aice a thoirt air falbh; agus ged a tha e fior nach robh i ach ’na nighean òg is car neo-chleachdta aig an àm sin, gidheadh chi sinn le so gu’n robh i an droch làmhan cheana, agus gu’n do chuir i buannachd na Frainge roimh buannachd a dùthcha féin, agus gu’n do chuir i an gràdh-duthcha a bu choir a bhi aice as àite le foill a fir-seòlaidh, agus sin uile aig àm cho anabarrach tràth dheth a beatha. Is dòcha gu dearbh, nach robh fìor ghràdh-dùthcha riamh aig Màiri, mar tha mòran sgriobhadairean a’ creidsinn; (2) agus faodar a ràdh, co-dhiù is ann mar so a bha e no nach b’ann, gu’n d’fhuair i a h-àrach an sgoil anabarrach carach, agus gu’n d’fhàs i suas gu boirionnachd air a cuairteachadh le daoine is mnathan buileach carach, is cuilbheartach. (1) Eachdraidh na h-Alba, leis an Easbuig Leslie. (2) “For her own freedom of will and way, of passion and of action, she cared much; for her creed she cared something; for her country she oared less than nothing” (Swinburne, Miscellanies). [TD 131] Is ann am Màiri, gu dearbh, bha gach ni a bha air fhilleadh a staigh is air thoinneadh anns a’ Chumhnant eadar Albainn is an Fhraing a’ co-sheasamh, agus a’ tarruing gu aona-cheann, mar gu’m b’eadh. An Cumhnant eadar Albainn is an Fhraing, b’e sin, gu fior, Ban-Righ Màiri i féin. Bha gach coire is fàiluing, gach easbhuidh is dith, gach buannachd is oirdhearcas a bha ri fhaicinn anns a’ Chumhnant so air an samhlachadh, mar gu’m b’eadh, am pearsa eireachdail ach buaireasach na Ban-Righ mhi-fhortanaich so. Tha e air a ràdh gu’n d’thubhairt a h-athair, Righ Seumas, nuair a bha e an spàirn a’ bhàis gu’n d’thàinig “e”—se sin ri ràdh an crùn aige—comhla ri nighinn, agus, ars e, “falbhaibh e comhla ri nighinn”. Gu dearbh, cha robh sinn buileach ceart a thaobh a theaghlaich fhéin; ach faodaidh sinn a ràdh le firinn mur d’thàinig an Cumhnant eadar an Fhraing is Albainn gus an dùthaich so “comhla ri nighean,” gu’n deachaidh e air falbh gu bràth comhla ri nighinn. B’e Ban-Righ Màiri a thug sgrios is fuasgladh air a’ Bhann so. B’ann air stéidhean a bha aig bonn a’ Chumhnaint eadar Albainn is an Fhraing a chaidh stiùradh air ionnsachadh follaiseach na Ban-Righ Màiri; agus nuair a bheachdaicheas sinn gu’n d’fhuair i a h-àrach chan ann an Albainn ach anns an Fhraing, cha ruig sinn a leas ioghnadh a ghabhail gu’n robh còir dhe’n Fhrangach innte na de’n Albannach. Fad mòran bhliadhnaichean roimh so, chaidh cùisean follaiseach na h-Alba a stiùradh ceart mar a bha na riaghladairean, agus mar a bha na Righrean Albannach (aig an robh am beachdan is an inntinnean ni bu mhò air [TD 132] taobh nam Frangach na bha iad leis na h-Albannaich) ann a bhi gabhail ri gnothaichean na dùthcha. Agus mais ann mar sin a bha e a thaobh nan righrean Albannach, a fhuair an àrach san dùthaich againn agus a dh’fhoghlumadh leo-san a bha beachdachadh oirnn féin mar fhior Albannaich, cia mar is urrainn dùil a bhi againn gu’n tigeadh a’ Bhan-Righ òg, a fhuair a h-àrach anns an Fhraing agus le feadhainn a chaidh a roghnachadh airson sin leis an Righ Fhrangach; a bha ’na h-ainnir neo-chleachdta, gun athair, gun mhathair, agus aig nach robh eòlas air cùisean is air gnothaichean a dùthcha, saor o sin air an robh an Righ Frangach agus a chuid Ministearan làn thoilichte gu’m biodh mion-eòlas aice—cia mar is urrainn, tha mi ag ràdh, gu’n tigeadh leithid sin a neach as a’ chruaidh-chàs anns an robh i an lorg an droch àrach a fhuair i, na mearachdan is faillinnean a sinnsearan, agus an lorg tubaistean is mi-riaghailt a dùthcha? Gu dearbh, cha b’urrainn gu’n tigeadh. Dh’fhàs Màiri gu bhi ’na creich fosgailte do sgrios, agus mar tha mi dol a dhearbhadh, cha d’fhuair i féin no iadsan a bha ’na h-eismeil cuideachd sam bith as an nàdur no am beachd a bh’aice. Tha iomadh aon a dol an aghaidh na Ban-Righ Albannaich, agus tha iomadh neach eile ga dionadh an doigh ceart cho ro dhianach; ach is e mo bharail fhéin gur ann eadar an dà bheachd so a gheibh sinn an fhirinn air a’ chùis. Cha robh Màiri mi-nàdurrach, ’na culaidh-uamhais, no ’na culaidh-oillt, mar a bha cuid gu neo-reusonta cur as a leth; ni mo is urrainnear a chreidsinn gu’n robh i ’na Ban-Naomh is na culaidh-thruais neo-chiontach mar bu mhiann le [TD 133] feadhainn eile a bhi ag amharc oirre. Air dhi Bothwell a phòsadh, thubhairt am Pàp do neach-eigin agus esan fo dhiomb is chomh-olc nach robh e fhéin saoilsinn a’ bheag dheth, “ciod a bh’innte ach boirinneach?” Agus anns na briathraibh so theagamh, gu’m faigh sinn làn mhineachadh is soilleireachadh air gach faoineachd is cionta a rinn i fhad sa bha i air cathair-rioghail na h-Alba. Bha i cràbhach gu leòir ’na nàdur is ’na h-inntinn ; ach is dòcha nach robh i idir air a bacadh, no air a cur fo fhiachaibh, mar gu’m b’eadh aona chuid le a creideamh, no le a cuid dleasanasan mar cheann is riaghladair na dùthcha. Dh’fhàs i gu bhi ’na ban-laoch mu dheireadh, eadhon ’na mairtearach a réir barail cuid; ach ma’s fior mo bheachd, cha b’ann le a toil no a miann féin a thachair sin dhi, ach airson aobharan is gnothaichean nach gabhadh seachnadh. “She was not perfect, as the sequel will show all too clearly; but she was never gratuitously irreligious. Though in her religious policy she may sometimes have been inconsistent, sometimes have compromised, sometimes have been regardless of forms which she should have observed; yet we always find her preferring the course which her religion sanctioned, when she could take it without danger or serious inconvenience.” (1) Neach air bith aig nach ’eil comas no toil a chreideamh fhéin a dhionadh sa sheasamh ach aig àm nuair is urrainnear sin a dheanamh gun chunnart, gun dragh da fhéin, gu dearbh is duine “air beag creideamh” esan, gun fhiù, is buileach neo-bhunaiteach, luaineach, mar an ceudna. (1) Papal Negotiations. Roimh-ràdh, t. 92. [TD 134] Ged a bha Màiri ’na culaidh-graidh an iomadh rathaid, bàigheil, teò-chridheach, fiughantach is fialaidh na h-inntinn is ’na deanadais, gidheadh faodar a ràdh gu’n robh i air a diteadh, is air a toirt gu sgrios troimh dhà ni cudthromach, mi-fhortanach a bha an taobh a staigh dhi féin. Is iad sin, an droch àrach a fhuair i san Fhraing, agus a nàdur féin, gu h-àraidh a neo-chomas air làmh-an-uachdar fhaotainn air a h-ana-miannan féin. Sgriobh an t-Athair Hay gus an Roimhe an déigh dhi Bothwell a phòsadh, “cha robh e idir comasach di làmh-an-uachdar fhaotainn air a’ ghaol a thug i gu neo-laghail do Iarla Bhothwell.” Agus tha e leantuinn, “Se mo bheachd nach bu choir Tosgair no teachdaire a chur d’a h-ionnsuidh do bhrigh a deanadais féin, a tha cho mi-onorach do Dhia is di féin. Am bitheantas, chan ’eil a comasach earbsa a chur annta-san a dh’fhàs ’nan tràillean do’n ana-miannan féin.” “She had as little patriotism as Knox (their Mr. Swinburne), (1) and she was as far from being a devoted Catholic as Knox was a Protestant.” Ach, cha b’iad na Prostanaich a mhàin a tha faighinn coire do Mhàiri anns an dòigh so. Chuir an luaineachd agus an neo-chomas a bh’aice air làmh-an-uachdar fhaotainn air a h-ana-miannan féin deisinn is an-tlachd anabarrach mòr, mar an ceudna, air a’ Phàp fhéin. Is ann mar so a tha an t-Athair Hay, C.I., a’ toirt soilleireachaidh air a’ chùis, agus e sgriobhadh o’n Roimhe mu thimchiol Màiri mu àm a pòsaidh ri Bothwell. “Cha d’rinn am Pàp riamh milleadh no folach air neach, no mu ni, air bith gus an so, agus cha b’àill leis idir sin a dheanamh (1) Miscellanies, t. 136. [TD 135] a nis, gu sònruichte mu ni cho cudthromach ri creideamh Ban-Righ na h-Alba. Uime sin, is e an ni a tha mhiann orm gu h-àraidh a ràdh gur e a rùn-san gun chàirdeas a nochdadh do’n Bhan-Righ sin mur bi nach d’fhuaras e innte comhraidhean na’s feàrr agus na’s soilleire air a beatha is air a creideamh na b’urrainn da fhaicinn anns na làithean a chaidh seachad.” (1) An ioghnadh leinn, mata, nach do ghabh am Pàp rithe, nach do chreid e i, nach d’earb e aiste, agus nach robh e idir toileach a bhi ’na charaid di fad ùine mhòir? Air a beothachadh le nàdur cho luaineach, caochlaideach agus neo-sheasmhach, agus air a bacadh le àrach cho dona is cho carach, cia mar a b’urrainn dùil a bhi againn gu’m biodh ise ’na Ban-Righ mhaith is shochaireach do Albainn, gu h-àraidh aig àm nuair a bha barrachd feum aig ar dùthaich air riaghladair seasmhach, laidir, misneachail, duineil na bha riamh aice anns na làithean a dh’aom? RUARAIDH MAC UILLEIM ARASCAIN IS MHÀIRR. (R’a leantuinn.) (1) Is truagh nach do ghabh Màiri an deadh chomhairle a chaidh a thairgsinn dhi leis an Athair Roche Mamerot, a bha ’na Athair-faoisid do’n Bhan-Righ an Albainn. Dh’innis e dhi nach bu chòir di a bhi smuaineachadh air Bothwell a phòsadh, “o’n a bha bean aige a cheana”; agus nach bu chòir di, is nach b’urrainn i, sin a dheanamh. Ach, cha do ghabh ise an deadh chomhairle sin. Tha Taddeo Botoni, a bha ’na fhear-ionaid aig Diùc Fherrara an Turin, ag ràdh, “a thaobh cùisean na h-Alba, tha e air a ràdh gu’n d’fhàs a’ Bhan-Righ ceann-làidir, bras, agus gu’m biodh i na’s miosa na Ban-Righ Ealasaid an ceann ùine ghoirid”. A réir an Athar Hay; bha Màiri “na peacach”. Ged nach ’eil Rogerio Tritonio a’ tilgeadh mort Dharnlai oirre, chan ’eil e tairgsinn leth-sgeul air bith dhi, airson Bothwell a phòsadh—“Bodvellius quern perdite amabat”. [TD 136] THE ARTLESS DODGER [Beurla] [TD 137-138] [Beurla] [TD 139] PIOBAIREACHD CHAT-AN-FHRAOICH Is i so an sgeulachd a dh’innseadh dhomh le Domhnull Mac Mhuirich air feasgar sàmhraidh mu’n tac so an uiridh. Thachair dhuinn a’ bhi còmhla air a’ mhonadh dhubh a tha os ceann Ghlinn Ruaidh, agus, an deigh dhuinn earrann mhòr de’n latha ’chaitheamh an sealg nam fiadh, bha sinn ’nar sìneadh air an fhraoch ghorm-dhearg, a’ mealtainn le chéile cuaich de dh’uisge-beatha, agus sinn air ar cuairteachadh leis an toit chùbhraidh a bha ag éiridh suas gu sàmhach o ar pìoban. Bha speis mhòr aig Domhnull dhomh-sa thaobh bhuaidhean àraidh a dh’ainmich e (agus mise féin a’ deanamh farcluais), do chìobair eile a bha a’ cur as a leth cairdeas neo-iomchuidh ’thoirt do “bhalach Sasunnach”. “Balach Sasunnach, ’ne a tha thu ag ràdh, a’ dhuine?” ghlaodh Domhnull, ’s e ’na fheirg,—“b’ fheàirrd thu bhi air t’ earalas. Cha Shasunnach idir e—tha e ’na Ghàidheal, agus ’na dhuin-uasal a’ bharrachd; oir is ann a tha a mhàthair de Chloinn Raonuill, fine cho gaisgeil sa tha anns an dùthaich. Is deas a tha e leis a’ ghunna, cuideachd, agus tha a’ Ghàidhlig aige ceart cho math riut féin, mur ’eil ni’s fheàrr, Mhic-an-Toisich.” Agus mar sin, an uair a dh’iarr mi air Domhnull innseadh dhomh ciamar a chaidh am frith-ainm, “Mac Chat-an-Fhraoich” a’ chur air le muinntir a’ ghlinne, is ann a dh’aontaich e le mòr-thoilinntinn ri m’ iarrtas, le bhi ag aithris domh an sgeòil fhiadhaich a leanas:— [TD 140] B’ann air mo shinnseanair a chaidh an t-ainm “Cat-an-Fhraoich” a’ chur air thòiseach. Bha Dughal Mac Mhuirich ’na ghaisgeach dreachmhor, eireachdail, a’ seasamh còrr agus sia troidhean an àirde; agus cho dìreach ri saighead. B’urrainn da làn-damh a’ ghiulan air a ghuaillibh thar mullach na Beinne-mòire, agus bha e ceart cho beòthail is cho ealamh agus a bha e làidir; oir am Blàr na h-Eaglaise-brice, ’s e anns a’ cheud sreath de Chloinn Mhuirich, is ann a leum e an aghaidh steud-each nàmhaid, agus thug e ceann a’ mharcaiche dheth le aon bhuille ’chlaidheimh. Thatar ag rádh gu’n do chliùthaich Cluainidh féin e, air an latha màireach, an làthair an fheachd uile, agus gu’n d’thubhairt e gu’n robh a leum-san coltach ris an duileum a thug Cuchullainn an Cath-na-Faodhla, an Eirinn, o chionn iomadh linn, agus gu’m b’e ’ainm-san, o’n àm sin gu bràth, “Cat-an-Fhraoich,” air son a ghniomharan fuathasach, gaisgeil anns a’ chòmhraig. A nis, cha robh duine air feadh na Gàidhealtachd a dh’fhaoidteadh a choimeas ri Dughal, an treise, no an luathas. Cha robh duine anns an tìr gu léir a bha cho deas leis a’ ghunna, no cho ealamh leis a’ chlaidheamh sa bha esan. Ach bha aon ni ann air nach d’fhuair e comas idir, ged a bha e ’ga iarraidh thar gach ni eile—b’e sin cluicheadh na pìoba-mòire—agus bha sud ’na chall ro mhòr dha, mar chi sibh an ceann tiota. A nis, bha aig Donnachadh Camshron, pìobaire Ghlinn Ruaidh, nighean bhoidheach, òg, d’am b’ainm Mòrag, agus bha sealladh a gnùise ni bu taitniche le Dughal na sealladh sleibh làn fhiadh, no abhainn làn [TD 141] bhradan, agus mar bu chòir is bu nàdurra, bha ise féin an geall air Dughal. Ach, their iad gu’n do bhòidich a h-athair nach tugadh e a nighean am pòsadh do ghille air bith nach cluicheadh a’ phìob-mhòr. Bu chruaidh, reasgach, cheann-làidir an duine an Camshronach, agus air an aobhar sin, cha robh dòchas mòr aig Dughal gu’m faigheadh e còir air Mòraig, oir cha b’urrainn da a’ phìob ionnsachadh idir, ged is iomadh uair a bhitheadh e a’ toirt oidhirp air. Gidheadh, bu toigh le Donnachadh e, agus bhitheadh am piobaire gu tric a’ toirt teagaisg dha, ach cha robh feum ’sam bith ann, mar a thubhairt mi a’ cheana. Agus cha’n e gu’n robh Dughal ’na ghille slaodach, trom-cheannach idir. B’ann mar gu’n do chuir cuideigin gisreag dhruidheachd air chum a chumail o’n ionnsachadh:—co-dhiù, dh’fhairtlich a’ phiob air. Uair a bha’n sin, their iad, gu’n deachaidh e thar a’ bhealaich do thigh seann bhana-bhuidsich d’am b’ainm Brighide, a bha ’chomhnaidh faisg air an Loch Dhubh. Rinn ise an “car-deiseal” mu’n cuairt dheth, agus chuir i seunan agus ùbagan air, ach annta-san cha robh feum ’sa chruinne, agus bha a dhòchas a’ dol an lughaid gach latha, oir bha làn fhios aige nach pòsadh Mòrag idir e, gun chead a h-athar. Ach, air an làimh eile, cha mhò a phòsadh i fear eile air an t-saoghal, agus b’i a’ chinnte so an t-aon sòlas a mhàin a bh’aige ’san àm. A nis, thachair dha, air feasgar àraidh, a’ bhi an tigh a’ phìobaire, agus bha Donnachadh a’ toirt leasain da, mar b’àbhaist. Ach cha’n ann ni b’ fheàrr a bha e fàs leis a’ phìob, ach ni bu mhiosa, agus [TD 142] aig an àm cheudna bha Donnachadh a’ fàs ni b’ fheargaiche na bha e riamh roimhe, gus, mu dheireadh, an robh e a’ stalcadh ’na chorruich air ùrlar an t-seòmair. Se duine mòr a bh’ann, le falt us fiasagan glé ruadh, agus bha a nàdur co-fhreagarrach,—is e sin ri ràdh, bha e gu math teth! Gu h-obann, ruith e air Dughal, ghlac e uaith a’ phìob, agus thilg e gu garg air an ùrlar i. B’e an t-ioghnadh nach do stailc e oirre cuideachd. “Amadain!” ghlaodh e; “Amadain!” Dh’eirich Dughal gu mall, a’ dearcadh air Donnachadh gu geur eadar a dhà shùil. “A’ Chamshronaich!” deir e, agus b’ann le guth glé chiùin a labhair e,—“Is dubh an tàmailt a chuir thu orm an diugh ’nad thigh féin, agus, creid mise, mur b’e Mòrag, is ann le fuil do chridhe a phaigheadh tu air, an diugh fhéin! Cha b’ann gun aobhar a chan iad rium ‘Cat-an-Fhraoich,’ agus tha mi nise a’ feitheamh gus an iarr thu orm maitheanas.” “Corp an diabhuill!” ghlaodh am pìobaire,—“Is fhasa sin a’ ràdh na’ chur an gnìomh; theagamh nach b’fhasa dhuit an fhuil, a’ tharraing na ’n ceòl!—ach si ’n fhirinn a th’agad, a’ ghille ghasda, chuir mi tàmailt ort, agus mar is iomchuidh do dhuin uasail, bithidh mi ag iarraidh maitheanais. ’Se gille tapaidh a th’annad, a’ Dhughail, agus is toigh leam thu gu dearbh, ach is éiginn domh seasamh ri m’ ghealladh. Gidheadh, ma dh’ionnsaicheas tu aon phìobaireachd a mhàin—pìobaireachd sam bith a’s math leat—gheibh thu Mòrag, seadh, gheibh thu i eadhon ged nach cuireadh tu gaothaire ri d’bhilibh tuilleadh ri d’bheò—mo làmh dhuit air, a’ghille!” [TD 143] Rug an dithis air làimh a chéile; chuir Dughal a bhoineid air a cheann; ghabh e an cuilbhear fada bha’n oisinn an t-seòmair, agus dh’fhalbh e. Bha a chridhe fo dhubh-bhròn, agus fios aige nach b’fhasa dha aon phìobaireachd a’ chluicheadh na ceud dhiubh. B’e a mhiann a’ bhi ’na aonar, agus ghabh e roimhe gu brònach, gun aire c’àit an robh e dol. Ach bha cumhachd air chor-eigin, gun fhios da, a’ stiùradh a cheumannan troma suas, suas, suas am measg nam beann, agus dh’imich e air aghart gus an d’thàinig e d’a ionnsaidh fhéin le clisg, agus air dha a cheann a thogail, dh’fhairich e gu’n d’ràinig e mullach na Beinne-mòire. Bha a’ ghrian a’ dol fodha, agus bha a gathan deireannach a’ deàrrsadh air a’ chàrn mhòr aonarach, agus air do Dhughal amharc air a’ charn, is ann a chunnaic e cat mòr fraoich a’ mireag is a’ leumnaich ’na aonar am measg a’ chonaisg. Cha d’ thug an cat an aire idir do Dhughal, agus bha tighinn fodha-san cuimseachadh air; ach leig e sios an cuilbhear, se fiamh-ghàire gu brònach is a’ smuaineachadh ris fhéin “De’n dolaidh a tha an creutair bochd a’ deanamh? Is truagh nach fhaod mi-fhéin a’ bhi aighearach, sona mar a tha esan.” Agus thionndaidh ’e gu teàrnadh do’n ghleann. An sin mhothaich e gu’n robh ciùineas iongantach, trom ann—sàmhchair eagalach, mi-nàdurra. Gu h-obann chuimhnich e gu’m b’i Oidhche Shàmhna a bh’ann, agus gu’n robh esan an sud leis fhéin, air mullach na beinne, air a’ cheart oidhche nuair a bhitheadh an t-àite air a thaghail leotha-san nach còir dhuinn an ainmeachadh—Dia gar saoradh—agus na h-uile seòrsa de nithean oillteil a’ dearcadh air as na badaibh fraoich. [TD 144] Cha robh ann ach còig bliadhntan, an oidhche sin féin, bho’n chaidh oifigeach Sasunnach (thàinig e do’n ghleann le buidheann de na saighdearan ruadha,—mo mhallachd orra!), chaidh e suas do’n bheinn gun aire ’thoirt de rabhadh no de chomhairle, is e air mhisg. Cha d’thàinig e nuas an oidhche sin, agus an latha ’r na mhàireach fhuaradh e ’na laidhe air an fhraoch aig bun a’ chùirn—cho marbh is cho fuar ri cloich. Cha robh leòn no athailt ’sam bith air a chorp, ach air a ghnùis bha dreach cho eagalach is gu’m b’eigin daibh breacan a’ chur m’a cheann roimh ’thoirt a nuas, agus is ann mar sin a chaidh ’adhlacadh. A nise, cha bu ghille Dughal air an cuireadh luasgan preas geilt, ach is math a, bha e a’ tuigsinn gu’n robh e an àite far nach bu chòir dha fuireach idir. Mar sin, thionndaidh e gu teàrnadh do’n ghleann, agus an uair a rinn e sin, dé a chunnaic e ach bodach beag aosda, a’ seasamh dìreach m’a choinneamh, agus a’ geur-amharc ’na shùilean. Bha falluinn fhada, dhubh-ghlas uime, coltach ri bian cait, agus bha boineid dhearg, bhiorach air a cheann. Bha a ghnùis buidhe, preasagach, agus fo chlàr-aodainn dhearc dà shùil uaine, lasaraich, mar shùilean cait fhiadhaich; agus an uair a dh’amhairc Dughal anns na sùilibh sin, thuig e nach b’e creutair de’n t-saoghal so a bh’ann—Dia gar saoradh! Bu mhiann leis a’ Chrois-sheunaidh a’ dheanamh, ach dhiùlt a làmh carachadh; bha e cho lag ri leanabh ’na chreathall. Car mionaid a mhàin, bha oillt fhuar ’na chridhe. An sin chuimhnich se e fhéin, agus an t-ainm a bh’air, agus ’na dheigh sin dhearc e anns an dà shùil lasaraich, gun eagal air bith. [TD 145] “Is anamoch a tha thu air ’bheinn an nochd, a’ Dhughail!” deir am bodach beag, aosda, no an creutair a bha cosmhuil ri sud. Bha’n guth aige mar a’ ghaoth anns an luidheir, agus b’ann mar gu’n d’thàinig e o àite fad as, is gu’n robh e glé sgith de’n turus. “Agus cha’n e do ghunna caol,” deir e, “no do chlaidheamh geur, a shaor o’n bhàs thu an nochd. Is math dhuit, a’ Mhic-Mhuirich, nach do chiùrr thu gun aobhar an creutair neo-chiontach a bha ’n sin, agus gu’n do chùm thu thu féin o leigeil na h-ùrchrach; a chuireadh crìoch air do làithean sona fhéin air an t-saoghal so. Agus is math dhuit mar an ceudna nach robh geilt ort fo shùilean Cat na Beinne-mòire. Is e do chridhe caoimhneil ’s do mhisneach a thearuinn thu an nochd. A nis, feumaidh thu miann a’ thoirt, agus bithidh mi ag ràdh riut gur ann a réir do mhiann a shoirbhicheas leat ’san àm ri teachd,—droch mhiann, droch fhortan!” Rinn e gàire, agus bha a ghàire, mar gu’m b’eadh, ni b’fhaide as, is ni bu sgithe na ’ghuth. A nis tha cuid ann a dh’iarradh fearann, agus tha feadhainn eile ann a dh’iarradh òr, ach cha robh an cridhe Dhughail ach smuaintean air sùilean gorma agus òr-fhalt boidheach Mòraig, agus mar sin thubhairt e—“Bu mhath leam nam b’urrainn domh piobaireachd a chluicheadh.” “Is beag an t-iarrtas e,” fhreagair an seana bhodach crìon, “ach is ro-mhath e, agus an uair a bhios e agad cha bhi tuilleadh gnothaich eadarainn. Gheibh thu miann do chridhe, agus thêid leat fhad ’s is beò thu.” [TD 146] Chuir e a làmh fo ’fhalluinn, agus ann a’ bhi ga sìneadh a dh’ionnsuidh Dhughail, thubhairt e,— “Thoir leat a’ phìob so; rach sios air ball do’n chlachan, agus cluich a’ phìobaireachd a ’s feàrr a chualadh riamh eadar na ceithir cuantan, agus is i sin Pìobaireachd Chat na Beinne-mòire.” A nis, bha na h-uile gin a bh’anns a’ chlachan cruinn an ceann a’ chéile anns an t-sabhull mhòr aig a’ Chamshronach, oir b’i Oidhche Shàmhna a bh’ann, mar a bha mi ag ràdh roimh. Bha a’ chlann bheaga a’ cleasachd air an ùrlar sguabta, agus bha na cailleachan is na seana-bhodaich a’ bruidhinn ri chéile mu na làithean a threig. Bha an òigridh ri fearas-cuideachd is ri cluichean Sàmhna; ach bha Mòrag ’na suidhe an cùil leatha féin, si ag eisdeachd le cluais gheir air son ceum an òigeir air an robh a gaol, agus air son fuaim a làimhe air claidhean an dorais. Dh’fheith i gu tursach ré ùine fada, agus bha fuaim na bruidhne is na gàireachdaich fad air astar leatha is gun bhrígh, oir is ann a bha a cridhe maille ri Dughal a muigh air a’ mhonadh fhiadhaich uaigneach air an dearbh oidhche nuair a bhitheadh droch chumhachd aig creutairean mi-naomha. Bha làn-fhios aice air sin, agus bha eagal cho mòr oirre is gur beag nach deach i an neul le gàirdeachas an uair a chual i a cheum a’ tighinn thun an doruis. Ach air dhi sealladh fhaotainn de ’ghnùis, mar a thàinig e a’ steach, is ann a chuir i a làmh r’a cridhe, agus uamhas oirre, oir bha e ag imeachd mar dhuine fo gheasaibh, agus bha na sùilean aige ag amharc troimh gach ni bha mu’n coinneamh, gu àiteigin fad air falbh:—ma dh’fhaoidte gu Tìr-nan-Og féin. [TD 147] Thuit sàmhchair marbh air na h-uile dùil a bha anns an àite, agus ghluais Dughal gu mall, ciùin, gus an d’ràinig e meadhon an ùrlair. Bha pìob-mhòr aige ’na achlais nach facadh a leithid riamh bho thoiseach an t-saoghail. Bhitheadh pìobair an Righ féin mòr aisde. Chuir e an gaothaire r’a bhilibh gun dàil, agus thòisich e air cluicheadh na pìobaireachd a ’s mior-bhuiltiche agus a’s uamhasaiche a chualas riamh an rioghachd na h-Alba, is ma dh’fhaoidte anns an t-saoghal gu léir. Fhad sa bha e ’cluicheadh b’urrainn do’n luchd-eisdeachd tuigsinn na bha an ceòl ag aithris, agus b’e sin mu gharbh-chòmhraig a chuireadh ud shuas air mullach na beinne eadar dhà fhine chumhachdaich, o chionn iomadh bliadhna chian, ri linn Fhinn Mhic Cumhail. Air thòiseach, b’e am monadh, ’na laidhe gu teth fo shùil na greine, agus na seilleanan le’n srann thiamhaidh ag itealaich mu’n cuairt, agus àl nan cearc-liatha a’ dùrdail riutha féin am measg nam badan fraoich. Is ann gle shàmhach, shuaineach a bhiodh e, agus bhiodh na fuaimeanan beaga ri ’n cluinntinn gu soirbh, mar is àbhaist air monadh no air machair air làithean gle bhlàtha. Bha a’ ghaoth as an àird an iar, si snàg a nìos o ’n chuan gu ro chiùin, aonarach, sgith; agus shuas, an gorm-chop nan speur, bha a’ ghrian lasarach a’ beachdachadh na cruinne, agus na h-uile ni, eadar bheag agus mhòr, a bhiodh a’ tachairt am measg a’ chinne-daoine. An sin, bho ’n astar chian, thàinig torman puirt-shiubhail gu fann air an t-soirbheas. Thàinig, ni b’fhaisge, agus ni b’fhaisge a’ rithisd. B’e port glé aosda a bh’ann, se air a dhi-chuimhneachadh o chionn [TD 148] fada, mar bha an fhìne d’an do bhuin e, agus thàinig am feachd a’ màrsadh thar guala an t-sleibh, agus air ruigheachd dhaibh meadhon a’ mhonaidh rinn iad stad an ordugh catha. Anns an àm cheudna, thàinig sluagh eile thar guala eile de’n t-sleibh, agus an sin sheas an dà fheachd aghaidh ri aghaidh, is iad air mhire gu còmhstri, is a’ feitheamh air eigin àm na h-ionnsaidhe. Bha na daoine-uaisle agus na gaisgich a’ stalcadh air an làr, is an caothach catha a’ tighinn gu luath orra. An sin ré aon mhionaid, a bha coltach ri bliadhna, bha tosd marbh ann, agus rinn cridhe gach fir stad. Is ann aig àmannaibh mar sud a bhitheas nithean glé fhaoine mar gu’m bitheadh iad cho mòr ris an domhain, agus bithidh duine a’ cumail sùla air seillean am measg nam flùr, no ag amharc air stiallan tarsuinn a bhreacain, fhad sa tha ’anama ga dhaingneachadh fhéin, is a’ feitheamh an fhacail a tha tighinn gu luath is gu cinnteach. An sin, gu h-obann, thug a’ phìob aon sgal eagalach; dh’eirich cath-ghairm nan gaisgeach ris na neòil; reubadh an t-adhar leis an toirm, agus cosmhuil ri feidh fhiadhaich air an ruagadh, bhrùchd an dà bhuidheann ghaisgeach an aghaidh a’ chéile. Bha ’n coinneachadh mar chomh-bhualadh eadar seòl-mara air a chur air chaothach leis a’ ghaoith, agus abhainn thuilteach a’ sruthadh gu bras le gleann. Bhuail tàrgaid air tàrgaid; dh’éirich sgreadan geura na còmhraig a suas am measg ghleadhraich bhàsmhor nan claidheamh is nan tuagh. Bhristeadh clogaidean is sgiathan ’nam bloighdibh; chualas gromhainean [TD 149] trom a’ bhàis sna h-uile h-àite mu’n cuairt, agus ruith an fhuil dearg gu tiugh am measg fhreumhan an fhraoich; agus os ceann an luchd-chogaidh, sgriach muinntir fhiadhaich an adhair o measg nan neultan dubha a bha nis a’ falach nan speur. Dhealraich an sùilean dearga bho’n dorchadas, agus bha nuallanaich nam pìoban mar shianachd iolairean air gaoith-dhoininn—a’ gliongarsaich, is a’ gleadhraich; ag eigheachd is a’ glaodhaich! An sin gu h-obann thàinig a’ phìobaireachd gu crìch,—dìreach sin, is cha robh tuilleadh dhi—agus bu neònach, fhalamh, an saoghal mòr ’na déigh. Car tamuill bhig, bha tosd marbh air feadh an t-sabhuill. An sin thòisich leanabh beag ri gul le eagal, agus an gliosg bha a’ ghisreag briste. Rinn na h-uile gin còmharradh naomh na Croise; theannaich na mnathan ri cheile, is iad air chrith, agus chruinnich na fir mu’n cuairt de Dhughal, a’ cur cheisd air, oir bha e ’na sheasamh air an àite mar dhuine ’na shuain, gun fhreagairt idir ’na bheul, agus sealladh mi-nàdurra fhathasd ’na shùilean. Ach dh’éirich Mòrag, is i glé bhàn; thàinig i far an robh e, thug i a’ phìob shith gu ciùin bhàrr a ghuailne, agus thilg i air an teine mhòr i. Bha ’n oidhche sàmhach, ciùin, feathail, mar a thubhairt mi; ach dìreach ’nuair a rinn i sud, is ann a thàinig séid mhòr ghaoithe a nios o’n mhuir, a chuir air chrith ballachan cloiche an t-sabhuill. Bhoillsg an teine gu h-àrd, is e a’ lasadh is a’ beucaich car mionaid. An sin, thuit e sios, agus bha pìob-mhòr na druidheachd air falbh. Chaidh a’ ghaoth seachad thun a’ mhonaidh, làn [TD 150] sianachd mi-nàdurra agus gàireachdaich ifrionnaich, agus mu dheireadh, thàinig Dughal d’a dh’ionnsaidh fhéin, le Mòrag a’deanamh guil r’a thaobh. Ach is iomadh fàire a bhrist, agus iomadh bliadhna a ghabh seachad, mu’n d’innis Dughal ciamar a dh’ionnsaich e am port suaicheanta leis an do choisinn e a bhean-bainnse. Oir, mar bu dual da, choimhlion an Camshronach a ghealladh, agus phòsadh iad cho luath agus a rinn Dughal ’fhaosaid ris an t-Sagart a’ thaobh a mhuinntireachd ris an duine shith. Bha miann a chridhe nis aige, agus shoirbhich leis fad a làithean; ach, ged is doirbh r’a chreidsinn, cha b’urrainn da a’ phìobaireachd shith no port sam bith eile ’chluicheadh tuilleadh ra’ bheò. Agus air son pìobaireachd na druidheachd—cha b’urrainn do neach air bith pong dhi ’chuimhneachadh, o’n latha sin suas! Agus tha mi ’smuaintinn nach bu mhòr chall sin, dhaibh-san no dhuinn fhéin; oir, gu dearbh, cha’n eil feum idir aig an t-saoghal air a leithid sin de cheòl. MAC AN FHEÒIR. BÀRDACHD IAIN GHOBHA DEAN dealbh ’nad inntinn air raon mòr mòintich, am farsuinneachd na’s mò na mòran de na siorrachdan Albannach, na’s leatha air an taobh a deas, agus a’ [TD 151] fàs lion cuid as cuid caol sa cheann a tuath, le beanntan àrda an so, agus glinn làn de shùil-chritheach an sud, air bunait de chloich a dh’fhàs nuair a bha na h-Alp ’na naoidheachanan agus na h-Imalaias gun a bhi air am breith. Lion a’ mhointeach a tha so le lochan, agus eudaich am bruachan le fraoch crionach. Biodh tonnan uaimhreach a’ chuain an Iar a’ slachdraich ri’ thràigh gus am bheil na creagan air am bleith ’na milltean de stùcan àrda. Timchioll a’ chladaich, suidhich ceithir no coig dusain de bhailtean beaga, agus sin agad Leodhas. Fearann iongantach, fearann anns am bheil tàladh spéiseil eadhon do’n choigreach, fearam a tha an seadh air leth bho’n t-saoghal, agus anns am bheil daoine tha cumail gu treibhdhireach anns gach cùis ri cliù agus eisempleir an sinnsir. Is daoine iad a tha cosnadh an arain le fallus an gnuise; tha iad a’ toirt am beò-shlaint thar muir agus tir. Tha cuid aca mar so an cunnart am beatha gach làtha dh’eireas iad, ach c’àit am faigh thu daoine cho treun is cho misneachail riu? Tha ’n talamh anns a’ chuid a’s mò de’n eilean bochd agus neo-thorrach, agus ged a tha iad a’ briseadh an cridhe ga àiteach eadar dà cheann na bliadhna, cha’n fhiach na tha e toirt seachad a bhi labhairt air. Shaoileadh coigreach mar sin gu’m fàgadh iad an t-àite neo-thorrach so, agus gu’n deanadh iad dachaidh an àite sam bitheadh e ni b’fhurasda dhoibh am beò-shlàint a chosnadh; ach mar chaora air a’ mhòintich leis an toil a bhi faisg air an àite anns an d’fhuair i am bainne an tòiseach, mar sin tha gràdh sònruichte an cridhe an Leodhasaich do’n eilean sin san d’fhuair e [TD 152] àrach òg, mar tha an cridhe gach Gàidheal. Arsa “Murchadh an Ceisteir,” “B’e mo mhiann bhi ’s na badan, ’s na chleachd mi bhi òg,” etc. Chuala mi gu tric gu’m bheil na Leodhasaich air fad math air an teangaidh, se sin gu’m bheil aca gu nàdurra gibht labhairt. Feumaidh mi fhéin àideachadh bho’m fhéin-fhiosrachadh nach do thachair mòran rium nach b’urrain an cainnt a chur an òrdugh snasail réidh agus toinisgeil. Tha, mar an ceudna spiorad na bàrdachd anns gach aon diubh ach beag; agus ged nach cluinn sinn mòran mu bháird Leodhais, gidheadh bha, agus tha ann daoine anns an robh fior spiorad na bàrdachd; agus is iomadh òran gasda Gàidhlig a rinneadh an Eilean Leodhais, air am biodh féill gu leòr nam biodh iad air an toirt gu solus. Ach is ann a tha bhochdainn ann nach faighear an diugh daoine anns am bheil eud gu leòr airson bàrdachd ar cànain a chumail air chuimhne, agus, air an aobhar sin, tha smior ar bàrdachd a breothadh sa grodadh le cion eud airson a toirt beò. Am measg bàird Leodhais air fad, cho fad agus a’s aithne dhomhsa na chuala mi, dleasaidh Iain Gobha an t-àite a’s àirde. Rugadh e an Iarshiadar an sgir Uige, sa bhliadhna 1848. B’e athair, Padruig Gobha, am fear aig an robh tuathanachas Iarshiadar aig an àm. Bha e ’na dhuine gleusda, tuigseach, agus ’na dheadh bhàrd, cuideachd; agus tha mi a’ creidsinn mar sin, gur h-ann bho dhualachas a fhuair Iain, a mhac, am gibht bàrdachd a bh’ aige. Bhuineadh a mhàthair—Seonaid Dhòmhnallach—do bhaile h-Aclaid am Bearnaraidh. Fhuair Iain Gobha tòiseach fhoghluim an sgoil bheag Chrulibhic. Bha e geur air a [TD 153] sgoil, is trang gu ionnsachadh, mar is tric leo-san a tha ’nam bàird, ged a bha an spiorad so fhathast falaichte ann. Aig ochd bliadhna deug a dh’aois, chaidh e ’Steornabhaigh do’n sgoil. Cha robh an Steornabhaigh an uair sin ach sgoil bheag a thog an Eaglais Shaor, ach is iomadh duine comasach chaidh fhòghlum innte. Bha e an so dà bhliadhna. Tha e coltach gur h-ann mu’n àm so a thòisich spiorad na bàrdachd ri e féin fhoillseachadh an tòiseach. Bha nàbaidh àraidh aige da’m b’ainm Calum Gobha. Rinn Calum rud-eigin air nach do chòrd ris agus is ann a theann am bàrd ri aoireadh. Is e am “Pullaidh” an ainm a tha e toirt do Chalum anns an òran so. (Tha mi creidsinn gu’n robh am bàrd a’ ciallachadh bully, no “gaisgich,” leis an fhocal so.) Co-dhiù, tha e toirt luaidh air treubhantas a’ Phullaidh, gu’n briseadh e sios a nàimhdean ’nan ciadan, gu’n robh buille bho làimh chumhachdaich mar bhuille bho òrd mòr a’ Ghobha, gu’n robh crios òir mu mheadhon, mar onair is mar chliù air a’ bhuaidh an gleachd; agus ged do thigeadh tréin-laoich thar chuain, nach bu chomasach iad air a thoirt uaithe. Comhla ris gach cliù a bh’air, b’e misneach na Reiseamaid Ghàidhealaich air leathad Alma, agus le eagal roimh theich fir Shasuinn, agus thug iad an casan leo, agus esan a’ frasadh nan cinn gu làr le claidheamh a’ chinn òir. An déigh do’n bhàrd Calum a thogail do’n treas neamh mar so, tha e nis ’ga leagadh chum an làir air ball. Ars’ esan:— [TD 154] “A Chaluim, cha b’fhiach tha na fhuair thu, ’Se fanaid an t-sluaigh a bha ann. ’S ann air Morsgail a thogadh tu suas, Le stapag is fuarag ghann. Nuair thigeadh do nàmhaid dhuit dlùth, ’S tu ’g amharc na ghnùis le greann. Cha b’fhearr am Pullaidh na ’n cù. Cha deanadh e tùrn ’san àm.” Nach b’fhurasd aithneachadh gu’n robh làithean mòra bàrdachd a’ feitheamh air fear sam bith a dheanadh aoir de ’n t-seòrsa so aig sia bliadhna deug? An déigh dha sgoil Steornabhaigh fhàgail, chaidh e do dh’ Oil-thaigh Dhùneidinn a dh’fhòghlum airson an eòlais-leighis. Bha so mu thimchioll na bliadhna 1870. Ré chuairt anns an Oil-thigh dh’ oibrich e gu cruaidh. Bha deadh cheann aige, ach bha e air a chumail air ais le cion nan sochairean mòra sin a bhi aige ’na òige, a bha aig na fòghlumaichean sin a bh’air an ionnsachadh an sgoilean mòra an Taoibh-deas. Coma co dhiù, bhuadhaich e anns a’ chiad cheasnachadh; agus an déigh sin, chaidh e air aghaidh airson foghlum na dotaireachd. Bhuadhaich e-anns a’ chiad cheasnachadh airson lighichean, agus cha b’ann gun stri. Ré nan cuig bliadhna bha e an Dùneideann, cha robh e aig an taigh ach da uair, a’ sealltuinn nach b’ann diomhain a bha e cur seachad ’ùine. B’e an t-Urramach Mr. Mac Neacail a bha ’na chompanach agus ’na charaid dha. Tha e toirt an cunntais a leanas air an ùine chaith iad cuideachd. “B’e sgoilear Laidinn a b’fhearr na mise, agus bha déidh mhòr aige air leughadh—gu h-àraidh [TD 155] bàrdachd. Bu toigh leis a bhi leughadh eachdraidh ar dùthcha cuideachd. Is ann glé ainneamh a chunnaic mi diomhain e, agus is iomadh uair a thuirt mi ris, nuair a chithinn e cho trang ag obair, nach b’urrain do ’bhothaig seasamh ris, mur gabhadh e tàmh agus mur d’thoireadh e an aire air a shlàinte.” Mar a thubhairt b’fhior: bhrist air a shlàinte an ceann nan cuig bliadhna. Rinn tuilleadh sa chòir a dh’ionnsachaidh an gnothuch air. Bha e làidir gun teagamh; ach ghabh e cus bratha air a neart. Cha do shaoil e fhéin no càch gu’n robh an gnothuch cho dona sa bha e an tòiseach. Nuair a thòisicheadh e ri gearain r’a chompanach, theireadh esan ris, “A lighiche, leighis thu féin!” a’ fiachainm ri misnich a thoirt da, ach cha robh math sam bith an sin. Thromaich air cho mòr is gu’m b’fheudar da Dùneideann fhàgail, agus ’fhoghlum a thoirt suas. Thòisich pian ’na thaobh, agus theann e ri cur a mach na fala. Cha robh e fhéin airson gabhail ris cho dona sa bha e; agus, mar sin, cha robh e toirt an aire bu chòir dha air fhéin. Thàinig e dhachaidh do dh’Iarshiadar, àite ’bhreith agus ’araich: chuir e seachad seachd bliadhna fada an sin mu’n do bhàsaich e, timchioll air a bhliadhn ùir 1881, aig tri bliadhna deug thar fhichead a dh’aois, air a bhriseadh sios an tòiseach a làtha, nuair a bha’ ghrian fhathast an àird nan speur. Chan ’eil ni san bith a tha toirt soluis cho math dhuinn air inntinn duine ri sgriobhaidhean ’na bhàrdachd ma tha sin ann; oir tha an Sgriobtur Naomh ag ràdh, “à lanachd a’ chridhe, labhraidh am beul”. Mar sin, tha fior inntinn agus thograidhean Iain Ghobha air an toirt a mach gu soilleir ’na bhàrdachd, [TD 156] agus tha mi smaoineachadh nach ’eil duine a leughas òrain nach fhaic aon chruth co-dhiù d’a inntinn a’ dealradh a mach anns gach ceathramh a chuir e r’a cheile,—se sin a chomh-fhulangas ri luchd-dùthcha air an robh foirneart mòr air a dheanamh le uachdaran agus bàillidh; agus gu bhi deanamh so ni ’s soilleire, beachdaichidh sinn air staid sgir Uige, agus gu h-àraidh Bearnaraidh, agus tir mòr aig an àm. Bho aimsir chian, bha muinntir sgìr Uige, ’cur an cruidh gu àraidh air a’ mhointich san t-sàmhradh. A nuas gus a’ bhliadhna 1872, is ann aig Beannaibh a’ Chuailein, faisg air crioch na h-Earradh, bha àiridhean Bhearnaraidh agus na tir-mòr mu choinneamh. Bha iad a’ faighinn na mointich so leis na croitean gun tuilleadh màil a phaigheadh. Anns a’ bhliadhna 1871, thàinig fios do’n ionnsuidh bho’n t-seumarlan, Dòmhnull Rothach, gu’n robh Beannaibh a’ Chuailein gu bhi air an toirt uatha airson an cur a staigh ri frìth fhéidh; ach ’nan àite gu’n robh iad a’ dol a dh’fhaotainn mòinteach Iarshiadair. Bha mòran deasbiorachd agus rannsachaidh a’ dol air adhart mu thimchioll so eadar na croitearain agus an seumarlan, gus mu dheireadh na bhuadhaicheadh air an tuath so an làmh a chur ri paipeir an oifis an t-seumarlain an Steornabhaigh. Thuirt Dòmhnull Rothach riu gu’n robh làmh a chur ris a’ phaipeir so a giulain ann, gu’n robh iad gu toileach a’ leigeil uatha Beannaibh a’ Chuailein, agus a’ gabhail ’nan àite mòinteach Iarshiadair, agus gu’n gleidheadh iad sealbh air sin fhad sa phaigheadh iad màl, agus a ghiulaineadh iad iad féin gu cubhaidh. Bha so a nis daingnichte mar gu’m b’ann le mionnaibh, agus cha robh dùil aca gu’n cuirte an còrr dragha orra. [TD 157] Air an cosg fhéin thog iad gàradh—seachd mìle dh’fhad—eadar mòinteach Iarshiadair agus frìth Scaliscro, gun taing gun duais bho’n oighreachd. Phàigh iad am màl gu cunabhalach, agus ghiulain iad iad féin gu modhail, a’ creidsinn gu’m bitheadh iad air am fàgail an sìth. Bha mòinteach Beannaibh a’ Chuailein ni b’fhearr air gach dòigh, agus ni bu mhò na monadh Iarshiadair; ach cha d’thugadh sgillinn ruadh sios dhoibh as a’ mhàl. Bha so glé chruaidh air na daoine bochda; ach dh’fheumadh iad striochdadh do bhrìgh is nach robh suidheachadh seilbh aca air a’ mhonadh so. An déigh dhoibh a bhi an sealbh air a’ mhòintich so fad bliadhna gu leth, thàinig fios do’n ionnsuidh uile nach bu leo mointeach Iarshiadair ni bu mhò—gu’n robh i gu bhi air a toirt uapa, agus gu’n robh iad a’ dol a dh’fhaighinn baile h-Aclaid am Bearnaraidh ’na h-àite. Cha robh iad a’ dol a dh’fhaighinn bònn-a-sé dhioladh dhoibh airson na seachd mìle de ghàradh a rinn iad air an cosg féin. Bha’m fearann a bha iad a’ dol a dh’fhaighinn mòran ni bu lutha na Iarshiadar; agus air a shon sin, dh’fheumadh iad an sumachadh a lughdachadh, ach a dh’aindheoin sin uile, cha robh màl gu bhi sgillinn ni bu lutha. Thòisich deasbaireachd mhòr eadar am bàillidh agus na croitearan,—na croitearan a’ diùltadh gabhail ris a chùmhnant so, do bhrìgh gu’n robh e briseadh a’ chumhnaint a chaidh a dheanamh riu roimh, agus an seumarlan a’ maoidheadh orra gu’n cuireadh e sios iad leis an arm. Cha b’urrainn iad seasamh ris an fhoirneart so ni b’fhaide. Dh’eirich iad ceart a comhla: thug iad Steornabhaigh orra,—ciad gu leth gaisgeach tapaidh le piobair air an ceann, agus troimh aon diubh fhein—Aonghas Macar- [TD 158] tair nach maireann, à Circibost am Bearnaraidh, mar eadartheangair—dh’innis iad focal air an fhocal do’n uachdaran, Sir Seumas Mac Mhathainn, mu’n fhoirneart a rinneadh orra. B’ann gun fhios do’n uachdaran a thachair gach ni bha so; agus nuair a chual e an gearain, ghabh e riu gu càirdeil. Chuireadh fios air Dòmhnull Rothach, an seumarlan, airson gu’n d’thoireadh e cunntas air an obair bhrùideil so a rinn e. Thugadh gu Cùirt e, agus fhuaireadh ciontach e. Tha fhios aig an t-saoghal gu’n d’thàinig crioch bhochd air. Mar a thubhairt mi mar tha, tha cò-fhaireach-duinn Iain Ghobha, ri ’cho-luchd-dùthcha sa chùis so ri fhaicinn ’na òrain uile. Dleasaidh Spiorad a’ Charthannais a’ chiad àite measg a bhàrdachd. Tha 32 rann anns an òran so, agus ochd sreath-sgriobhaidh anns gach ram. Nuair a leughas neach na roinn so, cuiridh e ’na chuimhne air uairibh bàrdachd Iain Mhilton am Paradise Lost agus am Paradise Regained. Tha e labhairt ri spiorad a’ charthannais mar gu’m biodh duine ann, agus ag innseadh dha gach ni ionmholta tha r’a innse mu’n cuairt da. Tha e tionndadh gu cor a dhùthcha, agus gu euceartan Dhòmhnuill Rothaich an seumarlan air an d’rinn sinn iomradh mar tha. Tha e sealltuinn gu soilleir nach robh gné spioraid a’ charthannais an goill rògach an duine so, nuair a b’àill leis gu’m biodh gach Leodhasach air am fògradh do na choill; ni mo bha spiorad caoimhneis anns na bàillidhean agus anns na tighearnan a chuir ar Gàidhealtachd fo fhéidh is bho chaoraich, air chor is gu’m bheil tir ar dùthchais an diugh ’na fàsach dòbhaidh truagh, ’na leabaidh aig an fhiadh is an ruadh-chearc. [TD 159] Tha a chridhe goirt a chionn gu’n do chuir iad fo naosgaichean an tir a bha alùinn, is gu’n do bhuin iad cho mi-dhaonntachail ri daoine bha cho suairce; an aon fhocal, gu’m bu mhiosa na bruid Bhabiloin an diol a rinneadh orra. Anns na roinn mu dheireadh, tha e tionndadh gu seumarlan Leodhais a rithist, agus a’ cur an céill meud a dhorch-bheartain, agus tha’n rann so air aon cho buadhmhor sa sgriobh e. Ars’ esan “O criothnaich measg do shòlasan”. Tha e sin ag ràdh gu’m bheil cumhachd ann a’s mò na seumarlan Leodhais, do’m feum gach glùn lùbadh, agus gach teanga aideachadh, gur h-e so Esan a bheir do gach neach a réir a thoillteanais; agus ged bu mhòr a chuid-san de ’n t-saoghal, nach fhaigheadh e aig àm a bhàs, ach léine is dà cheum de thalamh. “’N sin molaidh a chruidh-shnàigeach thu Cho tàireil sa bhios t’fheoil Nuair gheibh i air do chàradh thu Gu sàmhach air a bòrd Their i ‘Se fear miath tha so’ Tha math do bhiasd ’nan còs Bho’n rinn e caol na ciadan Gu e fein a bhiathadh dhomhs.” Bheirinn an dara h-àite do Spiorad an Uamhair. Anns an òran so, tha 37 rann le ochd sreath-sgriobhaidh anns gach ceathramh. Tha’m bàrd anns an dàn so a’ leantuinn a chùrsa th’aige an Spiorad a’ Charthannais, se sin a bhi labhairt ri cuspair a bhàrdachd mar gu’m biodh e bruidheann ri duine. Is e so an seòrsa bàrdachd ris an can iad Apostrophe anns a’ Bheurla; agus tha Iain Gobha glé dheidheil air. [TD 160] Ghabh e cùrsa dha fhéin nach fhaic mi bàrd Gàidhealach sam bith eile a cleachdadh, agus mar so tha ùrachadh agus atharrachadh taitneach anns a bhàrdachd seach a chuid a’s mò tha luaidh air gaol, a’ mhuir, agus am bàta, am monadh, am fraoch, an crodh is an àiridh, agus na caileagan gràdhach, le “gruaidhean mar ròs bho bhlàth”. Is e so gu bitheanta na cuspairean bàrdachd a th’aig mòran d’ar bàird Ghàidhealach; ach tha bàrdachd Iain Ghobha, a’ sealltuinn comais agus breithneachaidh inntinn a tha dol fada na’s doimhne na so, gu bhi gairm air cuspairean gun bheatha, ’cur anam a annta airson tiota, agus a luaidh air an cliù mar gu’m biodh iad fo chomhair. Ann a bhi gabhail thairis air a bhàrdachd, chan fheum sinn di-chuimhne a dheanamh air Am Brosnachadh. Tha seachd rann deug anns an òran so, agus ochd sreath-sgriobhaidh anns gach rann. Is e aon ni a tha an againn an aghaidh a bhàrdachd, gu’m bheil gach òran a’s fheàrr na cheile ro fhada; agus nan éiridh neach a sheinn aon diubh, rachadh gach duine mach ma’s biodh e ullamh. Chan éisd ar n-oigridh an diugh ri bàrdachd dhomhain throm, bhreithneachail: tha i car tioram leotha. Dh’fhàs sinn mar Ghàidheil lag agus sgianach nar n-inntinn, agus chan urrainn sinn smuaintean tròma sòlumaichte ar n-athraichean a shlugadh le tlachd. Ach canaidh sinn, nach ’eil Gàidheal a chluinneadh am Brosnachadh air a sheinn gu fonnmhor air séist “Eileain an Fhraoich” nach bu chòir gairdeachas a bhi ’na chridhe gu’m bheil againn iadsan a thogas ar cliù mar shluagh. Chan ’eil cùnntas againn gu’n d’rinn e mòran de [TD 161] dh’òrain aotrom, ach na tha againn, tha iad gasda. Feumaidh sinn a ghleidheadh nar cuimhne gur h-ann an déigh dha tighinn dachaidh á Dùneideann, agus a shlàint air briseadh, a rinn e chuid bu mhò de na h-òrain; agus nuair a bhitheas neach breoite tinn, agus anshocrach, airtneulach ’na inntinn, cha bhi togradh aige ri sùgradh. So a’s aobhar gu’m bheil cho beag againn a dh’òrain spòrsail am measg a bhàrdachd. Is e Oran an t-seann-ghille chuirinn air thoiseach am measg ’òrain aotrom. Is e nàdur a dh’aoir tha so, do’n t-seana ghille, agus moladh air an staid-phòsda. Tha e labhairt air na nithean matha dheanadh an òg-bhean-taigh a chumail cofhurtail, glan, suibhire, biadh a fir a dheasachadh, an crodh a bhleothan, cuideachd a chumail ri fear, agus a chumail blàth air an oidhche, is gnothaichean mar sin. Tha e rithist a’ tionndadh air an t-seana-ghille, am fear a th’air dùil thoirt thairis. Tha truas aige ris. Nuair a thig e dhachaidh, bithidh a thaigh gun teine gun tuar, feumaidh e fhéin a bhiadh a dheasachadh, is aodach a chàradh, sa leine nighe. Nuair thig an aois air, gun duine a sheallas ris, dé ni e? Chan fhaigh e searbhant ’na sgalag; chan ’eil e comasach air obair a dheanamh, agus feumaidh e dhol an eiseamail airgiod nan cailleach. Bu mhòr a spéis do eachdraidh a dhùthcha, agus am measg nan òran a rinn e an co-cheangal ris eachdraidh saorsa na h-Alba fo chùing Shasuinn, tha Allt a Bhonnaich, cunntas a’ chath fhuileachdaich sin a bha ’na mheadhon air a bhi cosnadh saorsa dhùthchail dhuinn. Ged nach’ eil an t-òran fada, tha e cur an céill buadhan inntinn a tha làidir, domhainn, leirsinn- [TD 162] each, agus, mar an ceudna, eòlas mionaideach air ar n-eachdraidh mar rioghachd. A’ moladh an curaidh Riabeart Bruce, tha e ag ràdh:— “A Bhrusaich iomraidich nam buadh ’S ann ort fhéin tha sgeul r’a luaidh Tha cliù do dhùthch’ dol mar riut suas Gu Talla bhuan de shìth.” Agus tha e criochnachadh le bhi ag ràdh:— “Na seall a nuas, a spioraid threin! Ma faic thu dial do dhùthaich féin Tha’n gleanntan làn do ‘bhracsaidh’ breun Na gaisgeaich threig an dùthaich.” Tha mòran de na h-òrain aige chaidh air chall, agus tha eagal orm nach gabh iad lorg. Is mòr am rannsachadh a rinn mi mu’n d’fhuair mi na tha agam; dhiubh. Tha e glé iongantach nach do sgriobh e fhéin iad uile, ach tha e coltach nach robh e direach ach a’ cur seachad na tìde ’na thinneas le bhi cur ri cheile na h-òrain so. Tha fhios nam biodh beachd aige an clò-bhualadh, gu’n robh e air an sgriobhadh uile. Na chaidh an sgriobhadh dhiubh, chailleadh cuid aca, ach tha leth-bhreac de chuid eile ri ’faotainn aig duine no dhà am Bearnaraidh fhathast. Tha mu’n cuairt air ceithear chiad deug sreath-sgriobhaidh agamsa a dh’òrain, agus nach bu mhòr an call mur cuirte an clò iad. Chan ’eil ni a dhìth oirnn ach tòiseachadh ri smaoineachadh air; agus tha sean-fhòcal ag ràdh “far am bi toil, bithidh gniomh,” agus ma tha Comunn Gàidhealach seach a chéile da’m bu chòir an guallain a chuir ris a ghnothuch so, tha mi smuaineachadh gur e Comunn Leodhais agus na [TD 163] h-Earradh. Chan ’eil teagamh sam bith nach biodh féill gu leòir air a bhàrdachd na faighte an clò i aon ùair, agus an ni ’dheanamh follaiseach. Car son a tha ar Comuinn Ghàidhealach ann ach airson bàrdachd agus litreachas ar dùthcha chumail air chuimhne, agus a thogail suas ri aghaidh an t-saoghail. Chan ’eil sinn idir a’ deanamh na dh’fhaodamaid airson ar cànan a chumail beò. Mur bi ar litreachas a meudachadh, bàsaichidh ar cànan gun teagamh; agus bàsaichidh sinne leatha mar Ghàidheal; agus tha mi creidsinn nach’ eil duine a tha ga leughadh so leis am bu mhath an làtha sin fhaicinn. J. N. M. AT THE BACK OF THE WIND [Beurla] [TD 164-174] [Beurla] [TD 175] PORTACHALA (1) THA e air a ràdh gu’m bu chòir do gach fìor Americanach baile Pharis fhaicinn roimh àm a’ bhàis; agus an déigh dhuinn an leabhar so leughadh, se ar beachd gu’m bu chòir do gach fior Ghàidheal Portachala nam beann is nan glac a thoirt air, roimh an àm sam bheil e air ordachadh dha gu’n d’thoir e suas an deò. Is i so aon de na dùthchannan a’s boidhche agus a’s torraiche a tha air uachdar an t-saoghail gu léir; agus ged a tha seòrsa de Ghàidhealtachd innte—mar a tha sinn dol a dhearbhadh—gidheadh cha robh sinn féin fior-eòlach oirre. Ach, an tòiseach, cia as a thàinig am focal so Portugallia? Tha cuid ag ràdh gur ann o fhocal Laideann, Portus Gallorum (is e sin ri ràdh Cala nan Gall, nam Frangach), a tha e tighinn a mach; ach, air an làimh eile, tha e cinnteach gu’n deachaidh am focal a sgriobhadh anns na làithean a dh’aom an dòigh nach ’eil idir a’ cordadh ris a’ bharail so. Thachair gu’n robh baile beag ann, faisg air an amhainn ris an canar Douro, agus e air a shuidheachadh air cnocan àrd, cointeach, is do-shreapta. An tòiseach, thug iad Cale mar ainm air a’ bhaile, agus an déigh sin, Portu-calia. Ach, dh’fhàs am baile beag ’na bhaile mòr, mar a bha na bliadhnaichean a’ ruith seachad air, gus, mu dheireadh, dh’fhàs e cho mòr is gu’n d’thàinig e gu bhi anabarrach iomraiteach, ionnus gu’n robh e air (1) Through Portugal, le Martin Hume. London: E. Grant Richards. [TD 176] a dheanamh ’na chathair-easbuig. An déigh sin, shloinn na h-Easbuigean iad féin Portucalenses, agus, an ùine ghoirid, thugadh an t-ainm so air an dùthaich gu léir. Tha e soilleir gu’m bheil am focal Cale ’na fhocal Gàidhealach. Tha e ciallachadh “Cala,” (1) agus se ar beachd gur e an dreach a’s ceirte agus a’s freagarraiche a’s urrainn duinn a chur air an fhocal so, “Port-a’ Chala”. Ged a tha Portachala na rioghachd bheag eadhon aig an latha an diugh, gidheadh is cinnteach gu’n robh i mòran na’s lugha air tùs. (2) Tha na h-eachdraichean Spàinnteach is duthchasach ag ràdh gur e Don Alfonso, Righ Leoin is Chastille a thug làmh a nighinn Donna Teresa am pòsadh do choigreach àraidh uasal, ainmeil, d’am b’ainm Don Eanruig; agus, comhla ris a’ nighinn, thug e seachad do Dhon Alfonso roinn mhòr de’n rioghachd aige, agus sin cho ro bhoidheach, torrach is buileach taitneach do’n t-sùil is gu’n d’thugadh Medulla Hispanica—se sin ri ràdh “Smior na Spàinne”—mar fhrith-ainm dhith. Mar sin, chaidh Rioghachd Portachala a chur air bonn; ach mòran bhliadhnaichean roimh linn Righ Eanruig ’sa mhna bha’n dùthaich so aig na Gàidheil. Gu fior, is beag a’s aithne dhuinn de roimh-eachdraidh na dùthcha taitniche so. Tha fios aig a h-uile fear gu’n do ghabh na Gàidheal seilbh oirre aig àm cho anabarrach tràth is nach ’eil eadhon iomradh againn air anns na h-eachdraidhean a’s sine. Coma (1) Tha “Calais” anns an Fhraing a’ ciallachadh an ni cheudna. (2) Tha mu choig muillion sluaigh innte. [TD 177] co-dhiù, bhrist na Romhanaich a steach thar criochan na dùthcha “là de na làithean,” mar a their sinn féin; agus, ged bu mhòr is fada an stri a rinn iad ’nan aghaidh, gidheadh, mu dheireadh, thàinig na Gàidheil gu bhi ’nan tràillean dhoibh. Ach, ma thàinig, cha robh e idir comasach do na Romhanaich fuil nan Gàidheal atharrachadh, agus a tarraing as na cuislibh aca. Chaidh an creachadh is an sgrios leo; agus mo thruaighe! chuireadh an cànain bhlasda féin fo smachd leis an nàimhaid cheudna. Ach, mu na nithibh so, is feàrr gu’n leagamaid le’r n-ughdar a smuaintean fhéin a chur an céill. Deir esan, “the Celtic element was less intimately mixed with the Iberian in the north-western part of the Peninsula than elsewhere, and the tribes in this part of the country were those which withstood longest the imposition of the Roman bureaucratic system after the assassination of the patriot Viriatus and the fall of Numancia in the second century B.C.” Is dòcha gu’n deachaidh a’ chuid a’s mò de na cleachdainnean duthchasach a bha aig na Gàidheil air chall is air dhith an déigh dhoibh dol, a dheòin no a dh’aindheoin, fo chuing nan Romhanach; ach is dòcha, cuideachd, gu’n do ghleidheadh cuid dhiubh ’nam measg airson mhòrain bhliadhnaichean an déigh sin. Faodaidh a bhi gu’n do ghleidheadh eadhon an cànain féin fad mòran ùine. Coma co-dhiù, fhuair sinn iomradh anns an leabhar so air neach àraidh d’am b’ainm Mir, sa bha ’na righ air roinn de’n dùthaich sa bhliadhna 559. Tha e soilleir gur e focal Gàidhlig a tha’n so. Bha Mir ’na righ air na Suevonaich, a bha ’nan treibh am Portachala aig an àm ud; agus [TD 178] tha eachdraichean ag ràdh gu’n robh iad, maraon ’nan sluagh Gàidhealach. Ach, is mithich dhuinn a bhi ag éiridh o bheachd-smuaineachadh air na seann nithibh so agus dol air ar n-aghaidh anns a’ bhad. Leig leis na h-aimsirean a chaidh seachad am mairbh féin a thiodhlaiceadh. Chan ’eil Portachala ’na dùthaich aig na Gaidheil na’s mò, agus théid sinn an urras nach bi i mar sin fhad is beò sinn féin co-dhiù. Is mòr agus is àrd am moladh is an cliù a tha Major Hume a’ toirt air Portachala, agus air an dream a th’ann; agus se ar barail, an déigh dhuinn an leabhar taitneach so leughadh, gu’n d’fhuair e fior bhonntachas anns a h-uile rathad air a’ bheachd aige. Eisdibh ciod a tha’n t-ùghdar ag ràdh mu thimchioll muinntir na dùthcha: “The absence of vociferation and vehemence in the people did not mean sulkiness and stupidity, but was the result of the intense earnestness with which their daily life was faced. In all my wanderings I have never met, except perhaps in Norway, a peasantry so full of willingness to show courtesy to strangers without thought of gain to themselves as these people of North Poitugal, almost pure Celts as they are, with the Celtic innate kindliness of heart and ready sympathy, though, of course with the Celtic short-comings of jealousy, inconstancy and distrust.” Tha so uile mar bu chòir (ged nach ’eil sinn a’ tarruing tlachd as na tha Major Hume ag ràdh mil “thri mallachdan nan Gaidheal” am Portachala), agus is tric a tha Major Hume a’ cur a’ chiùil feadh na fidhle anns an dòigh cheudna. “The manners of [TD 179] these people of North Portugal, indeed, are irreproachable. So courteous are they that it seems almost rude of the stranger to note too closely the quaint garb of the working people around him… There are no indications anywhere of excessive drinking and even smoking is not conspicuous amongst the working men and boys in the streets; they seem, indeed, too seriously busy for that, except on some feast day, when with their best clothes on they are gay enough, though not vociferous even then, as most southern peoples are.” Tha mòran ag Major Hume ri ràdh mu thimchioll muinntir na dùthcha, agus mu dheidhinn an dòigh anns am bheil iad am bitheantas a’ deanamh am beò. Thug e fainear nach robh Portachala à tuath a’ sealltuinn glé thorrach, ged is fior gur e fonn a’s siolmhoire agus a’s tarbhaiche a th’ann air feadh na dùthcha gu léir. “North Portugal, though cultivated like a garden wherever possible by a peasantry probably unrivalled in Europe for self-respecting independence and laboriousness, thanks largely to causes that have made them practically owners as well as tillers of the soil, does not strike a casual observer as being naturally fertile. For miles together, and as far as the eye reaches, pine-clad hillsides stretch, … but closer view shows that down in the sheltered valleys between the hills, and on the lower slopes there nestle hundreds of little vineyards and fields of imaize and rye, the staple breadstuff’s of the people. The peasantry live well in their villages and are not content with inferior food. Not for them is the poor makeshift of white bread and the fat cold bacon of the English [TD 180] farm hand. The bread of rye with an admixture of maize flour, the broa or broua, as it is called in Northwestern, Spain, is dark in colour and coarse in texture, but it is a fine sustaining food, upon which, in Galicia, I have often made a good meal. The ever-present dried codfish, bacalhau, cooked with garlic and oil, and sometimes with rice, flavoured with saffron, is also not by any means a food to be contemned, unpalatable as it is to those who taste it for the first time. But this although forming the staple fare of the Minho peasant and small farmer, does not exhaust his menu. There is for high days and holidays the savoury estofado of stewed meat and vegetables, of which the Portuguese peasant housewife is pardonably proud; there are olives, onions, and fruit ad libitum, and good sound new wine, tart, but not unpleasant, at the price of the cheapest small beer in England.” Anns an treas Caibideil tha cunntas tapaidh aig an leughadair nach ’eil fior-eòlach air a leithid sin de dh’fhoghlum, agus nach ’eil ’a dol aon uair a’ bheag sam bith thar thuigse, air an turus a ghabh Major Hume gu Citania—àite ris an abrar am “Portugese Pompeii” leis na ùghdar so. Anns a’ cheàrn so de’n dùthaich, sheas na Gàidheil a mach an aghaidh nan Romhanach mòran na’s fhaide na rinn iad an iomadh àite eile. Tha’n t-eachdraiche Romhanach, Valerius Maximus, ag ràdh gu’n robh daingneach Ghàidhealach ann faisg air beinn àraidh an Lusitania, agus tha e a’ moladh gu mòr na muinntir a bha gabhail còmhnuidh mu’n cuairt di, agus a bha ga dionadh gu treun an aghaidh gach ionnsaidh a rinn feachd nan Romhanach oirre. Tha’n t-ainm a tha aig Valerius air an àite so “Citania,” [TD 181] agus dh’ainmich àrsaidhean a’ bhaile mu’m bheil sinn a’ labhairt a nis mar sin, o’n a chaidh a chreidsinn leo gur e so agus an t-àite do’n d’thug an t-eachdraiche Romhanach “Citania” mar ainm ’nan daingnichean ceudna. Ge b’e air bith cia mar tha sin, tha a’cheàrn so de’n dùthaich làn de laraichean briste agus de dh’aitreabh buileach fàsachail, a chaidh a thogail anns na làithean a dh’aom leis na Gàidheil. Ach, cha d’éirich duine eadhon gus an là an diugh aig an robh spéis dha is eòlas sam bith air a leithid sin de ni. B’e an t-Ollamh Sarmento an ciad fhear a thug iad fo làimh mar gu’m b’eadh; agus bhuilich e orra ùine is airgiod nach gabh cunntas; oir cha robh mòran sluaigh am Portachala air fad aig an àm ud a bha idir toileach no comasach air a leithid sin de ghnothach a thoirt air adhart. Ach, air an stéidh so, is feàrr dhuinn leigeil le’r n-ùghdar a sgeul fhéin innseadh. “All over the plain for many miles around, the ruins of Celto-Roman villages have been found, and in many cases partially explored by Dr. Sarmento and others; the objects discovered having been deposited in the museum at Guimaraes belonging to the explorer, but in consequence of his death, henceforward to be a public institution subsidised by the State… The great interest of the hill stronghold, indeed, consists in the fact that we have here practically an unspoilt Celtic or Celtiberian town, in which Roman civilisation had but little part. It will be seen by the objects actually unearthed that the place was inhabited after the Roman influence and language had dominated the district, as late, indeed, as the time of Hadrian; but of purely Roman remains, so [TD 182] plentiful elsewhere in the district, there are in Citania hardly any; the construction and plan of the houses having much in common with the Irish and Scotch Cashels, and the absence of all indications of Christianity being complete.” Ach, ged is taitneach leinn a bhi rannsachadh an leabhair so, gidheadh is mithich dhuinn a bhi tarraing ar cuid briathran gu crich. Air dha Citania fhaicinn agus fhàgail, ghabh Major Hume sgriob as an rathad aige gu Guimaraes, far am bheil an Taigh Neònachais a chaidh ainmeachadh mu thràth air a shuidheachadh. Chuireadh anns an aitreabh so gach uile ni air an d’amais iad nuair a bha Sarmento sa chàirdean a’ cladhach mu bhallachan briste Chitania. Ach, mo thruaighe! cha d’fhuair Major Hume iad an deadh-òrdugh idir. “The collection is at present in a state of chaos, which may possibly be remedied when the reconstruction of the house is completed by the authorities. The number of objects is immense, though by far the greater part of them came from other places in the neighbourhood than Citania… The death of Dr. Sarmento has, of course, put an end to his self-sacrificing life-task, leaving by far the greater part of the exploration of the outer zones of Citania unattempted. It is almost too much to hope that any other similarly public-spirited Portuguese will provide the funds needed for the purpose, for there is little enthusiasm for such subjects in the country; but if funds could be obtained to excavate extensively the lower slopes of the hill on the south side where numerous hillocks suggest that sepulchral remains may lie beneath, it is probable that discoveries of [TD 183] great importance in Celtiberian civilisation would be made, and perhaps the riddle of the Celtiberian alphabet solved.” Is truagh nach ’eil còrr ùine againn airson mhòrain nithean air an d’thug Major Hume iomradh anns an leabhar thaitneach so a chur an céill aig an àm. Foghnaidh a ràdh, gidheàdh, gu’n deachaidh a sgriobhadh an deadh mhòdh, agus gu’n deachaidh a dhealbhadh, mar an ceudna, an dòigh air nach bi e soirbh buaidh no bàrr fhaotainn. Ach, san dealachadh, faodar a ràdh a ris gu’m bu chòir do gach fior Ghàidheal Portachala nam beann is nan glac a thoirt air uair-eigin, agus se ar comhairle air an àm gu’n toir e Through Portugal comhla ris. AM FEARANN FAODAR aideachadh nach do chaill Sir Eanruig Caimbeul Bannerman agus a chàirdean an taobh a staigh na Pàrlmaide Sasunnaich mòran de dh’ùine ann a bhi toirt a staigh Bille an Fhearainn as ùr do Thaigh nan Cumantan. Thàinig e air beulaobh an Taighe anns a’ cheart chruth, ach beag, anns am facas an uiridh e. Tha aon ni a tha toirt mòr sholais dhuinn, agus is e sin gu’n deachaidh laghdachadh air an rùn [TD 184] leis an rachadh ceangaltas eadar Cùirt nan Croitearan agus Mòd nan Criochan Domhail. Cha robh e idir aona chuid iomchuidh no freagarrach gu’m biodh ceannachd an fhearainn is toirt a mach binn air nithean an fhearainn anns an aon làimh, mar gu’m b’eadh. A réir a’ Bhille ùir, thugadh seachad an t-aon ni do Chùirt an Fhearainn ùir, agus an ni eile do’n Chomhairle Aitaich na h-Alba. Tha so ceart mar bu chòir. Tha sinn toilichte, mar an ceudna, nach ’eil am Bille idir toirt seachad do Chùirt an Fhearainn am fearann a cheannach o na h-uachdarain, chum a bhi ga reic ris an t-sluagh. Is e cumhachd ciorramach a bhiodh an so; agus tha sinn a’ cur làn aonta ris na tha aon de ar luchd-comh-aoiseach ag ràdh mu’n chùis so. Gu dearbh, “tha am pailteas uachdarain againn, mar tha, agus r’a sheachdnadh, gun a bhi gan deanamh na’s lionmhoire”. Tha so ’toirt oirnn a radh gu’m b’e ar n-iarrtus féin, greim a thoirt do’n Stàid air an fhearann agus an greim sin a mheudachadh is a dhaingneachadh cho mor sa ghabhas deanamh. Gu dearbh “tha pailteas uachdarain againn” a cheana; ach se ar beachd nach biodh e chum saorsa no feum, gu’m biodh na h-uile fear ’na uachdaran air fhearann fhéin. Bu mhaith leinn féin fhaicinn an Stàid an àite an uachdarain an iomadh cùisibh, agus sin airson iomadh reuson math. Chan ’eil sinn dol an aghaidh nan uachdaran mar uachdarain; ni mò a tha sinn dol a chur ar seul ri beachdan creachach is tur neònach nan Còmunnairean. Gidheadh, se ar barail féin gu’n deachaidh tuille sa chòir de fhearann na dùthcha a [TD 185] thoirt seachad do na h-uachdarain anns na làithean a dh’aom; gu’m bheil am pailteas, agus r’a sheachdnadh, aca fathast; agus, gu h-àraidh, gur e dleasnas na Stàide a greim féin air an fhearann a mheudachadh agus a dhaingneachadh anns a h-uile rathad a’s urrainn i chleachdadh, agus a tha ceart is freagarrach. Mar a tha fear-rannsachaidh àraidh ag ràdh, “fhuair na tighearnan math agus feum an fhearainn ré iomadh latha agus linn, agus tha e làn cheart gu’n gabhadh iad a nis cuid d’a dhragh. Ach, bha an dream so riamh a’ cleachdadh a bhi mealtainn nithean maith na beatha-sa, agus tha e duilich leo a nis a chreidsinn gu’m feum iad an searbh a ghabhail maille ris a’ mhilis. Nach daoine iadsan eadhon mar chàch? Nach còir dhoibh dleasnasan a choimhlionadh cho math ri sochairean a shealbhachadh? Ach, an déigh gach gearan is monmhur a tha iad a’ deanamh, chan fhuiling iad call sam bith an lorg a’ Bhille ùir. Gheibh iad deadh mhàl as gach acair a théid a thoirt do’n t-sluagh. Ma théid gabhalaichean mòra chaorach, agus frithean fhiadh, a bhriseadh a sios gu croitean, cha téid na màil isleachadh. Riamh o’n a theann Cùirt an Fhearainn ri màil chothromach a shocrachadh do chroitearan, bha am fonn a bha an làmhan na tuatha so air fhàgail moran na bu daoire no’n talamh a bha an làimh thuathanach chaorach. Tha fios aig gach neach gu’m bheil so fior. Is ann a bhiodh e mòran na bu bhuannachdaile do na h-uachdarain an cuid fearainn a bhi gu lèir fo chroitearan an àite a bhi fo thuathanaich. Pàighidh an croitear barrachd màil, agus chan iarr e taigh, no drochaid, no gàradh-droma a chur suas dha. Chan ’eil e furasda thuigsinn [TD 186] car son a tha na h-uachdarain an aghaidh nan tuathanach beaga, oir chuireadh iad tuille airgid ’nam poca sa tha dol ann an ceart-uair.” Thubhairt sinn a cheana gu’m bu mhaith leinn féin an Stàid fhaicinn an àite sam b’abhaist do’n uachdaran a bhi. An iomadh dùthaich eile tha so mar chleachdadh dhoibh mar tha, agus, gun teagamh, tha am maith ann. Tha na tuathanaich socrach is sealbhach gu leòir, agus daonnan anabarrach trang a’ cur an innealan agus an cuid fearainn am feabhas, do bhrigh gu’m bheil làn shuidheachadh a thaobh an cuid gabhalaichean, agus gu’m bheil an Stàid gam brosnachadh is gan cuideachadh an iomadh dòigh eile. Far am bheil an Stàid an làn ghreim air an fhearann, chi sinn gu’m bheil na tuathanaich soirbheachail, agus eudmhor gu dol air an aghaidh ’nan gairm. Tha e reusonta gu leòir gu’m bheil an Stàid mòran na’s cumhdachdaiche, beartaiche, agus na’s eòlaiche na tha uachdaran sam bith, ge b’e air bith rathad a tha e cleachdadh chum tighinn air soirbheachadh is eòlas nuair a tha e buntainn ris an fhearann. Ach a’ bharrachd air so, buinidh am fearann gu firinneach do’n Stàid, agus is còir gu’n tarruingeadh i buannachd fhreagarrach as. Chan ’eil so fathast comasach dhuinn féin, do bhrigh droch laghanna is nòsan a tha bacadh an rathaid a dh’ionnsaidh ath-leasachadh an fhearainn; ach an iomadh dùthaich eile chan ’eil a’ chùis idir mar so. An sin, tha a’ chuid a’s mò de’n fhearann an làmhan na Stàide, agus faodar a ràdh nach beag an cumhachd agus an cliù a tha tighinn oirre an lorg sin. Coma co-dhiù, tha an cleachdadh so cur pailteas a dh’airgiod am poca muinntir Un- [TD 187] garaidh, agus an iomadh dùthaich eile far am bheil an riaghailt so suidhichte a nis. Anns an dùthaich ud, buinidh am fearann air fad an tòiseach do’n Stàid, ged a tha na tuathanaich air bonn greimeil daingneachail gu leòir a thaobh an cuid gabhlaichean. Ach a thuille air so, tha an cleachdadh mu’m bheil sinn bruidhinn a’ toirt seachad do’n Stàid cumhachd air iasadan a dheanamh do’n t-sluagh, agus sin troimh feadan an Taighe-Thasgaidh, a chaidh a chur air chois air sgath a’ cheart ni sin. Fhuaireas anns am Financial Review of Reviews airson a’ Mhàirt so a chaidh cunntas a chaidh a sgriobhadh gu maith agus an dòigh anabarrach taitneach air na Taighean-Tasgaidh so, agus cia mar a tha iad air an stiùireadh. B’e Barran Julius von Madarassy-Beck (a tha e fhéin air ceann an Taighe-Thasgaidh a’s mò a tha an Ungaraidh air an làtha an diugh), a sgriobh an cunntas so aig iarrtas Fir-dheasachaidh an Financial Review of Reviews, agus a tha ag innseadh dhuinn mòran de nithean feumail is fìosrachail mu thimchioll an fhearainn, is Thaighean-Tasgaidh an Fhearainn an Ungaraidh. Bha, aon uair, am fearann air fad an làmhan na Stàide, agus thug so làn chumhachd dhoibh, chan e a mhàin ceist an fhearainn a fuasgladh mar bu mhaith leo féin, ach cuideachadh a thoirt seachad do na tuathanaich troimh feadan nan Taighean-Tasgaidh a chuireadh air bonn airson an aobhar sin. Thug so buannachd dhà-fhillte ’na lorg. Shocraich e an sluagh air an fhearann, agus thug e seachad dhoibh, mar an ceudna, buannachd maith do’n cuid airgid. A thaobh an dàra nithe, tha Barran Julius von [TD 188] Madarassy a’ mineachadh san aiste a sgriobh e anns am Financial Review of Reviews an dà chuid cia mar a tha Taighean-Tasgaidh an Ungaraidh air an seòladh, agus carson a tha iad a’ toirt seachd do luchd-tasgaidh air feadh mor-thir na Roinn Eòrpa a’ chothroim airson cuir a staigh an airgid annta. Mar a tha am Barran ag ràdh, anns an dùthaich againn féin, is mòr is àrd na caochlaidhean a tha do ghnàth tighinn air eadhon na tasgaidhean a’s aithnichte agus a’s diongmhalta a th’ann; agus, aig a’ cheart àm, is fior bheag an riadh a tha luchd-tasgaidh am bitheantas a’ faotainn asta, air sgath an cuid tasgaidhean. An Ungaraidh, air an làimh eile, chan ’eil a’ chùis idir mar so, mar tha Barran Julius von Madarassy-Beck a’ mineachadh gu soilleir dhuinn anns an aiste a sgriobh e. “The chief reason why the non-speculative class of securities, which we have on the Continent, do not fluctuate to any great extent is that we have in our land mortgage bonds, which are a form of security non-existent in Great Britain, an ideal kind of trustee security, which, on account of its unimpeachable safety and the manner in which it is issued, constitutes it a really pure investment bond, absolutely unsuited to any kind of speculative purpose, and therefore the purest type of stability in existence. All our issues of bonds of this description are made gradually. All the time of issue these bonds do not pass through the hands of any company-promoting middleman, but the bonds go directly from the issuing bank into the hands of the private investor. This procedure precludes the possibility of any considerable bulk of them coming into the hands of speculators who might sway their price for their own ends. Furthermore, the value of these bonds is so stable and well ascertained that there is no margin or reason for either the inflation or the depreciation of their quoted value; so that, in their case, the wings of speculation are cut.” Tha’n lagh Ungaraidh toirt seachad làn chead do [TD 189] na Taighean-Tasgaidh cumanta, agus do na Cuideachdan-Urrais, agus do na leithidean sin de chomunn, an airgiod a chur a staigh do na Taighean-Tasgaidh so—ni a tha gan cuideachadh gu mòr, agus gan socraicheadh mar ionadan-tasgaidh dùthchasach. “This, therefore, opens up a wide field for market-ability, and at the same time removes these mortgage bonds from the ordinary influence of Stock Exchange markets, and it is only on the rarest occasion that any appreciable fall takes place in their market value. In addition, every town of any size in our country has what we call one or a number of bankers, whom, however, in Great Britain would likely be called money-changers, as these people deal in investment securities somewhat after a similar manner to ordinary retail dealings in sugar, coffee, or any other merchandise. They keep a shop and have a stock of bonds on hand. An investor desires to purchase. He goes in and states his requirements, passes the money over the counter, and takes his investment home with him. On the other hand, if he desires to sell, the money-changer, or banker as we would call him, is extremely glad to purchase. As, of course, there is a large competition in this business, the difference between the buying and the selling price has been fined down considerably. In no case is there a brokerage paid when the goods demanded can be immediately supplied. The denominations in which the bonds are issued are, as a rule 100 crowns, 500 crowns, 1,000 crowns, 5,000 crowns, 10,000 crowns (about 24 crowns, are equal to £1), and upwards. Consequently, on account of their handy size they are equally accessible to the largest and the smallest investors. This is another point which tends to popularise this, medium of investment.” A los an dòigh anns am bheil Taighean-Tasgaidh an Fhearainn an Ungaraidh air an stiùradh a chur an céill, thugamaid fainear cia mar a tha’n Ungarischen Hypotheken Bank—is e Barran Julius Madarassy-Beck a tha ’na Fhear-stiùraidh dha—air a riaghladh leis. Chaidh an Taigh-Tasgaidh so air bonn sa bhliadhna. 1869. Tha aige aig a’ cheart àm 40,000,000 crùn mar earras, agus iad air an roinn gu codaichean a [TD 190] tha air an deanamh a suas de 200 crùn do gach neach. Faodaidh neach air bith na codaichean so cheannach airson suim na’s lugha na 525 crùin am fear, agus, aig a’ cheart àm so, bheir iad a steach mar theachd a staigh suim a tha ionann ri sia crùin thàr fhichead do gach neach. “The bank works upon the principle of granting mortgages to private owners of land and issuing, as and when such mortgages are granted, bonds for the amount of the loan. In addition to granting loans on land the bank also lends money to counties, corporations, and townships, and issues mortgage bonds to the identical amount of such loans. There two forms of business, namely, loans on real property to private individuals, on the one hand, and loans to corporations, towns and municipalities, on the other hand, constitute the whole business of the bank; no other class of banking being entertained. Our bank does not discount bills, and in any other kind of loan transactions, beyond the two classes described above, they do not engage, so that the business of our bank is entirely non-speculative in character. In this way the actual capital of the bank remains as a security to the bond-holders whilst every bond which is issued really forms part of a mortgage advanced upon real security, or the security of a corporation, town or municipality.” Ma tha a’ mhiann air ar luchd-leughaidh barrachd fhios fhaotainn air a’ chùis so, feumaidh iad an aiste so leughadh air fada. Faodar a ràdh co-dhiù, agus sin ann a bhi dealachadh ris a’chuis aig an àm, gu’n deachaidh a sgriobhadh an dòigh anabarrach taitneach is tur soilleir, agus gur e ar beachd-ne nach bi tuath sheasmhach, shona, is shealbhach againn gus am bi sinn air ar fuasgladh o na laghannan fearainn a tha againn a nis, agus gus am bi Taighean-Tasgaidh an Fhearainn againn, mar a tha iad aig tuath chòir, shealbhach, is dhichiollach na h-Ungaraidh. [TD 191] AN T-OLLAMH MAC BHEATHAIN NACH MAIREANN Is brònach da-rìreadh an sguel a tha r’a luaidh gu’n do chaochail an Gàidheal ceanalta so ann an treise a làithean air a chóigeamh là de ’n Ghiblein. Dh’fhàg e Ionbhar-nis làtha no dhà roimh sin a dhol do Shruithla a dh’fhaicinn a charaid, Aonghas Macaoidh, mu leabhar ùr a bha e toileach a chlò-bhualadh. Fhuaireadh marbh e anns a’ mhadainn; b’e spad-thinneas a b’aobhar. Rugadh Alasdair Mac Bheathain ann an Gleann-fesidh, ann an sgireachd Rat-amhurchais anns a’ bhliadhna 1855. Chuir e seachad làithean ’òige ann am Bàideanach far an d’fhuair e a sgoil, agus air dha bhi math g’a togail, thog e air gu Oil-thigh Abar-eadhainn far an d’rinn e falach-cuain air na bha còmhla ris, agus choisinn e’n t-urram M.A. anns a’ bhliadhna 1880. An ath-bhliadhna chaidh a chur air ceann na sgoile ainmeil sinn ann an Ionbhar-nis ris an abrar Raining’s School. Rinn e obair eireachdail anns an sgoil so a’ teagasg mòran ghillean tapaidh às gach ceàrna de ’n Ghàidhealtachd a bha air an rathadh do na h-oil-thigean. Anns a’ bhliadha 1894 chaidh an sgoil so chur fo ùghdarras Bòrd-na-sgoile, agus chaidh Mac Bheathain a chur aig ceann earann shònraichte de ’n Sgoil-Ard. Anns a’ bhliadhna 1901 chuir Oil-thig Abareadhainn urram air le dheanadh ’na Ollamh (LL.D.), agus anns a’ bhliadhna 1905 thug an Righ duais bhliadhnail dha airson an obair [TD 192] mhór agus luachmór a rinn e ás leth na Gàidhlig agus Litricheas nan Gàidheal. Ged a bha làn-churam na sgoile air a ghuaillean, agus cha do rinn e riamh dearmad air ’obair, ghabh e gach cothrom air e féin a dheanamh foirfe ann an cànain a dhùthcha, agus anns na cànainean eile a bha tagairt càirdeas rithe. Ged nach b’aithne dha ach “faochadh gille a’ ghobhainn—bho na h-ùird gus na builg,” rinn e bùrach nach bu bheag a dh’fhaotainn eòlais air freumh nan cànainean Ceillteach, agus le mór shaothair “Chuir e riaghailtean air Gàidhlig, Agus snas air cainnt a dhùthcha.” (1) Sgriobh e móran òraidean air caochladh chuspairean, a tha làn foghluim agus geiread inntinn. Tha móran dhiu ri fhaotainn anns na Leabhraichean a tha air an cur a mach bho àm gu àm le Comunn Gàidhlig Ionbhar-nis. Anns a’ bhliadhna 1892, còmhla r’a charaid, an t-Urramach Iain Ceanaideach, ann an Arainn; chuir e mach dà leabhar somalta de ’n obair mu litreachas Gàidhlig a bha an t-Ollamh Alasdair Camashron ris ré a chuid a b’fheàrr de bheatha. Anns a’ bhliadha 1896 chuir e mach am Fodair ris an abrar “Etymological Gaelic Dictionary,” anns am bheil e lorgachadh gach focal Gàidhlig gu ’bhun, ni nach d’rinneadh riamh gus a sin. Choisinn so dha, chan e mhàin cliù nan Gaidheal Albannach, (1) Tha na focaill so sgriobhta air clach-chinn Sheumais Munro, sgoilear Gàidhlig eile, a tha ’na shuain teann air Gearrasdan-dubh Ionbhar-Lòchaidh. [TD 193] ach cliù dhaoine fòghlimte na Roinn-Eòrpa. Mar so choisinn is chum e an ceum toisich am measg Ghàidheal na h-Alba. Chuir e mach leabhraichean eile mu Eachdraidh na Gàidhealtachd, agus sgriobh e thall sa bhos mu Ainmean àiteachan sa Ghàidhealtachd, is mu Ainmean is shloinnidhean nan Gàidheal, agus bha e bràth a’ chloich-mhullaich a chur air ’obair le leabhar mór a chur r’a cheile anns am buineadh e ann an dòigh iomlan ris na cùisean so, ach mo thruaigh thàinig am bàs air gu h-obann:— “Tha a bheul a nis dùinte, Cha’n ’eil leirsinn na shùilean— ’S fuar an cridhe ’bha mùirneach, Anns an ùir ’se gun deò.” Ged a bha an t-Ollamh Mac Bheathain làn eòlais, cha robh e cruaidh ’na mosach uime, ach bheireadh e seachad à stòras inntinn gu fiallaidh grinn, dhaibhsan a bha ’n tòir air foghlum no fiosrachadh. Is lionmhor ministeir agus lighiche anns a’ Ghaidhealtachd a bha ’na eisimeil air son a chuid a’s feàrr de’n foghlum agus a rachadh astar math ás an gabhail a chur clach ’na chàrn. Nach fhaod sinn uile ar caoidhrean brònach a thogail ann am briathran Eóghain Mhic Lachuinn nach maireann:— “Och nan och! mar a tà mi; Thréig mo shùgradh, mo mhànran ’s mo cheòl! ’S trom an aiceid tha’m chràdh-lot, ’S goirt am beum a rinn sgàinteach ’am fheòil; [TD 194] Mi mar ànrach nan cuantan, A chailleas ’astar feadh stuadhan ’sa cheò; O’n bhuail teachdaire ’bhàis thu, A charaid chaoimh bu neò-fhailteumach glòir. “Gun smid tha’n ceann anns na thàrmaich Biadh gach eòlais a b’àird’ ann am miagh; Gliocas eagnaidh na Gréige, ’S na thuig an Eadailt bu gheur-fhaclaich brìgh! ’S balbh fear-réitich gach teagaimh Anns a’ bheurla chruaidh, spreigearra, ghrinn! ’Nuair bhios luchd-fòghluim fo dhubhar, Co na d’ ionads a dh’fhuasglas an t-snaoim.” A chuid de Phàrras dha! FIONN. [TD 195] LITIR [Beurla] [TD 196-204] [Beurla] [TD 205] Guth na Bliadhna LEABHAR IV.] AN SAMHRADH, 1907. [AIREAMH 3 AN GAIDHEAL AN CANADA BHA e ’na chleachdadh aig na daoine o’n d’thàinig sinn nuair a bhiodh iad a’ dol a mach gu cogadh no gu creach deiseal a ghabhail mar ghuidhe air soirbheachadh is fortan air an turus fhaotainn; agus ged a chaidh an cleachdadh sin a chur gu taobh mar sheòrsa de shaobh-chràbhadh is de amaideachd, o chionn mòran bhliadhnaichean, gidheadh is sinne a dheanadh ar dicheall anns an t-seann ghnothach ud nuair a chaidh fios a chur oirnn gu’n robh an t-Athair Caimbeul dol a null do Chanada air turus-chràbhaidh d’ar càirdean thar a’ chuain mhòir. Ach ma is ann mar sin a bha sinn smuaineachadh car tamuill, rinn sinn ar dicheall anns a’ chùis an dòigh mòran na’s fheàrr agus na’s éifeachdaiche na chaidh ainmeachadh leinn; agus se ar beachd gu’m bi sàr aslachadh aig gach fìor Ghàidheal do’n Ti a’s Airde airson fortain is soirbheachaidh fhaotainn do’n sgriob a thug an t-Athair Caimbeul a null gu Canada. Anns a’ chiad àite, chaidh an t-Athair air faondradh gu Canada air sgath a’ chreidimh Chaitlicich. Fhuair e cuireadh bho chuid de an Sagairtean [TD 206] Canadach gu dhol a nunn gu Canada chum “an Soisgeal a shearmonachadh,” mar a thuirt iad féin anns na paipearan aca. Tha fios aig a h-uile neach gur e a’ bhuidheann Chaitliceach an Canada a’s lionmhoire agus a’s cumhachdaiche, eadar Gàidheal is Frangach. Tha muinntir Chanada a tha ’nan Caitlicich diongmhalta, daingeann gu leòir a thaobh an Creidimh, as am bheil iad a’ gabhail uaille mòir, freagarraich, mar an ceudna. Tha mòran dhiubh so ’nan Gàidheil, agus o’n a tha spéis mhòr, bhuan, aca do’n “t-seann dùthaich,” mar a their iad rithe, nach ’eil e tur nàdurra, taitneach, is freagarrach gu’m biodh toil aca an Soisgeil a chluintinn air a shearmonachadh dhiobh ann an cànain féin? Is e so an ceud aobhar airson an d’ thug an t-Athair Caimbeul Canada nan Coilltean air; agus is maiseach agus priseil thar tomhas e da rireadh an ar sùilibh-féin. B’ann airson so a mhàin a thug Colum Cille agus iomadh Gàidheal cràbhach eile dùthchannan céin thar a’ chuain orra. Chan ann gu dearbh do dhùthaich mhi-mhodhail, mhi-bheusach, agus do mhuinntir bhorb, allabharrach, ain-diadhaidh, ach do Chanada mhòr nan Eaglaisean, is d’a chuid ionmhuinn fhéin, a thriall an t-Athair Caimbeul. Gu’n soirbheachadh leis, A Dhia, tha sinn gu h-iriosal ag achanaich! Tha aobhar eile ann airson an d’ thug an t-Athair Caimbeul sgriob gu Canada, agus is e sin gu’n cuireadh e an céill, is sin fa chomhair a luchd-éisdeachd, ciamar a tha cùisean Gàidhealach a’ dol air adhart anns an t-seann dùthaich. Is e am beachd aige dol air faondradh air feadh na Gàidhealtachd Canadaich, a’ cuairt- [TD 207] eadh gach ceàrna dhith as am bi cuireadh aige dol air chéilidh rithe, los mòd-chràbhaidh a chumail san ionad sin, no òraid mu chùisean Albannach a thoirt seachad. Tha fiughair aige e a bhith as an dùthaich so fad ceithir, no coig, miosan; agus is cinnteach leinn nach leigear air falbh e le ar càirdean thar a’ chuain gus am bi crioch làn is bhuadhach air a thurus. A nis, tha ni no dhà ann air am bu chòir gu’m biodh iomradh againn aig an àm, agus sin nuair a tha Tosgair nan Gàidheal Albannach fathast a’ cuairteachadh Chanada. Is fior thaitneach leinn, agus leis gach neach an Albainn air fad, an naigheachd a fhuair sinn o chiann car greis mu ar-a-mach is éiridh nan Gaidheal Canadach air sgath an cànain is an seann chleachdannan féin. Fhuair sinn fios o iomadh àite mu’n chruinneachadh mòr a thachair an Halifax, agus an iomadh ceàrn eile, le sùil ri cumail suas agus cuir air adhart na Gàidhlig ’nam measg. Tha sin ceart gu leòir, agus ’na aobhar cliù is meas nach beag do’n fheadhainn a bha gan tional, agus a bha gan deanamh a suas. Is ro thaitneach leinn uile cluinntinn nach e beachd no miann aig na Canadaich a’ Ghaidhlig a chur gu taobh, agus ar nòsan dùthchasach a chuir as, no a leigeil air di-chuimhne ma’s urrainn doibh a bhacadh. Tha so ceart gu leòir; ach faodaidh sinn innseadh co-dhiù nach ann anns an dòigh so, is e sin ri ràdh le gairm cruinneachaidh mhòir, le deanamh òraidean, agus le cuir Chomuinn Gàidhealach air bonn a bhos sa thall, a bhitheas sàr shoirbheachadh anns a’ chùis. Faodar na nithean so uile bhi ann, agus a’ Ghàidhlig gun a cuid féin. Chan ’eil sinn a’ connsachadh, no ag àicheadh, nach bi feum [TD 208] uair-eigin is àite-eigin anns na h-innealan so; ach chan ’eil iad a’ cur criche iomlain socraich air a’ ghnothach air fad. Tha iad feumail is cliùiteach gu leoir a réir mar a tha iad ruighinn air am meud féin, agus a réir mar a tha iad air an cleachdadh gu maith; ach ma’s miann le ar càirdean thar a’ chuain an làn dhicheall is an uile dhleasnas a dheanamh anns a’ chùis, feumaidh iad a’ Ghàidhlig a chur a staigh do na sgoilean cumanta aca cho trath sa dh’fhaodas iad. Faodar a ràdh, san dol seachad, nach biodh-e iomchuidh no freagarrach a’ Ghàidhlig a bhi anns gach ceann agus air a h-uile bheul gun ionad sam bith a bhi aice anns na sgoilean cumanta, agus chan ’eil e comasach cànain sam bith a chumail beò aig an làtha an diugh mur a bi àite freagarrach aice anns na h-ionadan foghlumta. Tha a’ Bheurla is an Fhraingis, gun tighinn air mòran chànain eile eadar beò is marbh, air an ionnsachadh anns na sgoilean Canadach; agus carson nach bi àite freagarrach air a chur air leth anns na h-ionadan ceudna airson cainnte nam beann? Nach cainnt na’s foghluimte, na’s sine, na’s binne, agus na’s modhaile na sin, a’ Ghàidhlig? Ciod a tha bacadh Gàidheil Chanada o bhi buntainn r’an cànain féin ceart mar a tha sluagh eile a’ deanamh air sgath an teangannan-ne? A’ Ghaidhlig bhochd! Is e do mhuinntir féin a tha do ghnàth a’ tilgeadh ort an cuid fanaidean faoine, is le di-mheas, is an ana-cothruman libideach; agus iadsan gun a bhi airidh eadhon iall do bhròige fhuasgladh! Chan ’eil dhi-se ach a bhi toilichte airson nan tròcairean a’s lugha. Eadhon ann ar dùthaich féin chunnaic sinn an làtha anns nach fhaoidte focal Gàidhlig idir a labhairt an [TD 209] taobh a staigh de bhallachan an taighe-sgoile. Chunnaic sinn gu tric—ùairean gun àireamh—clann air am peanasachadh airson focail Ghàidhlig a leigeadh a mach gun fhios doibh; agus ged a tha leasachadh ann a thaobh an ni so agus suidheachadh na Gàidhlig anns na sgoilean againn, gidheadh tha fios aig a h-uile neach nach ’eil sinn féin coimh-lionta anns a h-uile càs agus air fad. Coma co-dhiu, “Thig sinn beò an dòchas ro mhath, Gu’m bi chuis na’s fheàrr an ath là.” Chuir sinn a’ Ghàidhlig a staigh do mhòran de na sgoilean againn, agus tha sinn an dòchas gu’m bi a’ Ghàidhlig air a h-ionnsachadh anns gach sgoil air feadh Gàidhealtachd na h-Alba an ceann ùine nach bi fada. Ach, chan ’eil na Canadaich ach a’ toiseachadh air an gnothach so, agus faodar iad a’ cuimhneachadh gur e na sgoilean a’ chiad ni. Gun sgoil, gun Ghàidhlig! Agus a bhàrr air sin, nach ’eil sinn fo fhiachaibh troma mòra, a thaobh ar cànain fein? Is ann, am bitheantas, tha sluagh eile a’ gabhail uaill ceirt is freagarraiche as an teanga féin. Carson nach dean sinn mar sin? Ged nach robh ar cànain ach ’na cainnt bhochd, mhi-mhodhail, leibideach, b’ e ar dleasnas fathast a seasamh, agus a cumail beò. Ach tha cànain ghasda, bhinn, fhoghluimte againn, mar tha fios aig an t-saoghal gu léir, agus mur seas sinn i, mur dion sinn i, mur àrdaich sinn i, agus mur buin sinn rithe mar ni làn airidh gu bhi air a steidheachadh gu là bràth ann ar measg, an sin, mata, bhiodh sinn ’nar daoine leibideach is buileach faoine, mar ghealt- [TD 210] airean faoin-cheannach, gun bheus gun tuigse no toinisg sam bith, agus gun bhi airidh ach a bhi air ar saltairt fo chasaibh le cinneadh is dùthchannan eile. Tha ni eile ann air am bu chòir gu’m biodh iomradh againn aig an àm. Bu mhath leinn féin fhaicinn réite no cumhnant bhlath-chridheach air a chur air bonn eadar Gàidheil Chanada agus na Frangaich anns an dùthaich ud. Tha iad anns an aon chàs, a thaobh gu’m bheil iad air am bacadh le cànain is le cleachdainnean nach buin idir dhoibh. Carson, mata, nach seasadh iad a mach mar aon duine agus an guaillibh a chéile air sgath cainnte is nòsan dùthchasach? Is bràithrean a thaobh creidimh Gàidheil Chanada is na Frangaich Canadach. Carson nach biodh càirdeas dlu-cheangalach eatorra? Is e aonachd am bann a’s cumhachdaiche do’n fheadhainn a tha seasamh an guaillibh a chéile. Tha na Frangaich ’nam muinntir mòran na’s lionmhoire agus na’s cumhachdaiche na na Gàidheil an Canada. Gidheadh, bhiodh am muinntir a chaidh ainmeachadh mu dheireadh ’nan aobhar de misnich agus cumhachd nach beag do’n dream eile nan rachadh dhol am bad comhla ris na Frangaich. Coma co-dhiù, chan fhaodar àicheadh nach e buannachd an dà dhream so iad féin a tharruing ri chéile gu aona-cheann, o’n a tha iad anns an aon àite. Air feadh an t-saoghail gu léir, tha daoine aingidh, ain-diadhaidh, a’ deanamh ionnsaidh air a’ Chreidimh, agus a’ tilgeadh air gur e cràbhadh a tha mi-chleasach, neo-fhallain, aosmhor, is gun fheum. Is daoine air bheag tuigse an fheadhainn so, agus tha làn fhios againn gu’n d’thubhairt an t-amadan o sheann, “chan ’eil Dia ann”. Ach, chan [TD 211] fhaodar aicheadh nach ’eil an saoghal air fàs na’s ain-diadhaidh, agus na’s neo-chreideach mar a tha e air fàs suas am bliadhnaichean. Bu chòir, mata, gu’m biodh aonachd aig a’ bhuidhinn Chaitlicich air feadh an t-saoghail los casg a chur air na h-ionnsaidhean a tha luchd-mi-chreidmheach do ghnath a’ deanamh air an Eaglais. Is ionann Gàidheil Chaitlicich Chanada is na Frangaich an Canada air beulaobh Dhé, a chionn gu’m bheil gur iad mar bhràithrean do chach a chéile a thaobh an creidimh-san, agus mur dean iad an dicheall chum aonachd a chur air adhart nam measg, bithidh tubaist agus coire fathast anns a’ chuis. Ach chan ann air sgath a’ Chreidimh a, mhàin a tha sinn a’ sparradh air na Caitlicich Canadach, eadar Frangach is Gàidheal, aonachd is cairdeas bhlath-chridheach a dheanamh eatorra féin. Tha ’n dithis so an cunnart, mar an ceudna, o cheàrnan-eile. Tha aig càch an cànain is an cleachdainnean féin a chumail suas, agus a dhion bho na h-ionnsaidhean a tha cànan is nòsan eile gun stad a’ deanamh orra. Agus a thaobh an ni so, bu chòir gu’m biodh co-oibreachadh r’an leithid-ne aig na Gàidheil Chanadach a tha ’nam Prostanach, do bhrigh gur luchd comh-fhaireachduinn iad-san agus na Caitlicich a thaobh an ni so. Tha sinn an dòchas, mar an ceudna, gu’m bi na h-Eirionnaich cho eud-mhor is gu’n d’théid iad an sreathan a chur an an ordugh chum dol a mach comhla ris na Gàidheil Albannach an Canada agus na Frangaich a los bogadh nan gad. Aobhar na’s fheàrr na so—ar-a-mach airson Dé is Teanga—chan urrainn a bhi aig dream no aig cinneadh air bith. [TD 212] Agus, tha éiridh a suas mar ghealladh is mar fhiachaibh air a h-uile neach aig am bheil a’ mhiann sealltuinn air a’ Ghàidhlig ag éiridh as ùr, agus a h-ionad freagarrach a ghabhail aon uair eile. Tha e air a ràdh nach comasach omlette a dheanamh gun uibhean air am bristeadh ’nam bloighibh. Ni mò tha e comasach blàr no cogadh a chur airson teanga is nòsan dùthchasach gun a bhi bogadh nan gad. Tha cànain is cleachdainnean shrònruichte againn mar chinneadh air leith. Am b’àill leinn iad a bhi daonnan fo smachd chàch? Tha spéis is gràdh do dhùthaich air fàs suas am measg chinneach eile, air chor is gur e Dùthchasachd a tha gairm a’ chiùil air feadh an t-saoghail gu léir; agus am bi sinn am feasd cho fad-air ar n-ais anns a’ chùis? Tha eadhon muinntir India, na h-Eiphitich, agus sluagh eile air leth-chois mar sin a’ dùsgadh a suas, agus a’ deanamh stri airson tir is teanga; agus is olc a fhreagaireas e do’n Ghàidheal uaibhreach tuiteam air dheireadh anns an réis. Na Sasunnaich—am bheil iad ’nan luchd cumail suas an dùthcha is an cinneadh féin? Is ann mar sin tha sinn féin. Am bheil teanga is nòsan is rian srònuichte is beachdan dùthchasach aca? Is ann aig sinn féin a tha na seilbhean ceudna. Feudar a ràdh, gu dearbh, nach ’eil ni ann nach buin do na Sasunnaich, agus a tha gan comharradh a mach mar mhuinntir air leth, nach ’eil Dia a’ bhuileachadh oirnn mar an ceudna. Carson, mata, tha sinn nar seasamh, fad an latha, diomhain air a’ mhargadh? An ann do bhrigh gu’m bheil eagal oirnn roimh na Sasunnaich agus an Iompaireachd, agus gu’n deachaidh ar cur fo ghisreagan leo-san? An Gàidheal uaibhreach—fear-suidheachaidh [TD 213] Iompaireachd a bha beò fad linntean roimh tighinn a mach a’ chiad Shasunnaich as a chuid boglaich is lòin—air a chur fo eagal roimh na Sasunnaich, agus air a chur fo gheasaibh leis a’ chinneadh ceudna! Theagamh, nach ann mar so a tha e idir, ach gur ann airson taingealachd a mhàin a tha Gàidheal Chanada a’ caitheamh nan gad. Taingealachd! Is neònach am focal sin da rireadh. Ach, beachdaicheamaid, car tamuill, air a’ chùis. Anns a’ chiad àite, ciamar a fhuair na Gàidheil suidheachadh air tir-mòr Chanada? Theagamh gu’m bheil cuid ann a tha creidsinn gur ann airson a’ ghraidh is na spéis a bha aig Sasunn do’n taobh gu’n deachaidh an carachadh a dh’ionnsaidh na tire ud. Theagamh gur ann, ach ma chaidh am fògradh mar sin, is fada gu dearbh o’n a chuala sinn e. Is e ar beachd féin gu’n deachaidh am fuadach a mach a chionn gu’m b’e toil is miann an luchd-foirneairt sin a dheanamh; agus cha do bhacadh iad. Cha robh rùm no ionad aig an taigh aca do bhrigh dhaoine aingidh is féinealach a bha gam mealladh is gan creachadh; agus chuir iad an cùl gu bràth ri dùthaich an gaoil an aghaidh an toil. Mar a thubhairt Donnachadh Bàn Mac an t-Saoir, dh’fhuadachadh iad a mach, “Gun taighean ach na làraichean, Gun àiteach ach na raointean. Chan fhaigh gille turasdal, Ach buachaille nan caorach.” Is gann gu’m bheil ceàrna de Ghàidhealtachd Alba as nach d’fhuadaich na h-uachdaranan an sluagh ’nam miltean. Chaidh na fogaraich thruagha so thairis mar eilthirich gu Canada, gu Albainn Nuadh, gu [TD 214] Australia, gu New Zealand, agus do iomadh dùthaich eile; agus tha an dachaidhnean aig an taigh an diugh ’nan làraichean anns gach ceàrna de’n dùthaich. Dh’fhuadaich na h-uachdaranan an sluagh a mach ’nam miltean, ach ma dh’fhuadaich carson nach deachaidh bacadh a chur orra? Bha Sasunn is na Sasunnaich ann, agus cumhachd chum bacadh am pailteas aca: carson nach d’thug iad an aire do’n luchd-foirneirt so los casgadh a chur orra? Cha robh cumhachd aig Albainn rùn nan uachdaranan a thoirt gu neo-ni, a chionn nach robh Pàrliamaid aice ’na làimh féin. Sin dh’fhuadaich na Sasunnaich as an dùthaich mòran bhliadhnaichean roimh so; agus is ann an sàs agus air buileach eisimeil ri Sasunn a bha Albainn bhochd aig an àm ud. Ach, tha fios aig a h-uile neach nach ’eil e comasach do aon dhùthaich riaghladh a dheanamh gu ceart agus gu buileach airson té eile; agus ged a bhiodh an toil ann (ni nach ’eil furasda a chreidsinn, oir tha eachdraidh a dol an aghaidh a muigh agus a mach), chan urrainnear dòighean is meadhonan airson sin a bhi ann. Agus a bhàrr air sin, cuine no cionnus a nochd na Sasunnaich riamh càirdeas is meas, spéis is ùrram, do na Ghàidheil? Am feàirrd sinn gu’n deachaidh Aonadh a dheanamh eadar Albainn is Sasunn, agus gu’n do chuir sinn stiùradh ar dùthcha an làmhan choigreach? An d’thàinig soirbheachadh oirnn, is buaidh is piseach leis gach ni—mar tha cleachdainnean is cànain—a tha gar chomharrachadh a mach mar mhuinntir air leth, an lorg na chaidh air a dheanamh leinn airson nan Sasunnach agus an cuid Iompaireachd? Ciod e cor [TD 215] nan Gàidheal mar Ghàidheil air feadh an t-saoghail gu léir? Eadhon an Albainn is an Eirinn féin aig an làtha an diugh, chan ’eil e comasach ar cànain a thoirt a staigh do na sgaoilean againn gun a bhi deanamh stri mhòir air a son an aghaidh luchd na Stàide an Lunnainn! Rachaibh staigh do dhùthaich no cinneadh air bith air feadh Tir-mòr na Roinn Eòrpa, agus feòraichibh air a’ cheud duine a thachras oirbh co e Gàidheal, dé a’ chànain a th’aige, agus cait am bheil e a’ comhnuidh, agus na gabhaibh iongantas (ma’s urrainn sibh), as an fhreagairt neònaich, chlisgich a gheibh sibh! Bha sinn a’ leughadh am paipear Eireannach—An Claidheamh Soluis—o chionn ùine ghoirid mu dhuine àraidh, Eirionnach, a bha gabhail sgrioba feadh na h-Eadailt, agus e anns an each-iaruinn a’ leughadh a’ phaipeir aige—An Claidheamh Soluis. Thachair air, nuair a bha e mar sin, Eadailteach, duine làn thuigseach, a ghabh an aire is an sin iongantas mòr as na bha esan a’ leughadh. B’e duine buileach cùirteil, àrd-mhodhail, mar an ceudna, a bh’anns an Eadailteach; ach dh’fhairtlich air fad ùine mòire ceist a chur air an fhear eile dé seòrsa cainnte a bha e leughadh le toil-inntinn cho ro shoilleir is follaiseach. Mu dheireadh thall, thubhairt e, “Le’r cead, dé a’ chainnt a tha sibh a’ leughadh? Chan fhàca mi riamh a leithid roimh so.” Fhreagair an t-Eirionnach, agus thuirt e gu’m b’e paipear Eireannach agus gur e cànain dhùthchasach na h-Eirinn a bh’ann; agus nochd e am paipear dha, agus o’n nach b’aithne do’n Eadailteach nach robh cànain shònruichte, duthchasach aig na h-Eirionnaich, dh’innis e dha mòran ni mu’n chainnt sin, agus mu’n stri a tha na h-Eirionn- [TD 216] aich a’ deanamh aig a’ cheart àm air sgath tire agus teanga. Is furasda fhaicinn le so—is fior thachartas e—gur e an ni a tha bagairt oirnn mar chinneadh air leith aig an àm so, dol as an t-sealladh gu buileach. Ghabh sinn ar rathad gu sgrios cho fada is nach ’eil eadhon fios aig a’ choigreach gu’m bheil a’ Ghàidhlig ann idir! Caite, tha sinn a’ feoraich, am faigh sibh air feadh an t-saoghail gu léir a leithid sin de thàmailt is de nàire? Feuchaibh dhuinn cinneadh eile mu’m bheil e comasach a ràdh, “chaidh an dream so cho mòr as is nach ’eil eòlas aig daoine tuigseach gu’m bheil cànain dhùthchasach idir aca!” Chan ’eil e comasach sin a ràdh mu thimchioll eadhon nan Hottentots! Thig an làtha nuair a thilgeas na Canadaich dhiubh braighdeanas Shasuinn, direach mar a rinn America roimh so. Ciod an taobh air am bi sliochd na feadhnach a chaidh fhuadach as an dùthaich so? Dh’ fhalbh Iompaireachd na Gréige agus an Roimhe, agus, gu cinnteach, falbhaidh Iompaireachd Shasuinn là-eigin, mar an ceudna. Is e ar dùrachd aig an àm-sa gu’m bi làn chuimhne aig na Gàidheil Canadach air an cron is an diol a chaidh a dheanamh air an fheadhainn a thàinig mar a thàinig iadsan, nuair a bhristeas là an diolaidh ud. Agus, airson na h-aimsir a tha far beachd, tha sinn ag aslachadh orra iad a bhi ag éiridh suas, agus a bhi làn dichealach chum deanadais. [TD 217] AT THE BACK OF THE WIND [Beurla] [TD 218-226] [Beurla] [TD 227] [Beurla] A’ BHAN-RIGH NEO-EIFEACHDACH II. A BEACHDAN STÀIDEIL B’ANN air an 19mh là de’n Lùnasdal 1561 a ràinig Màiri tràighean Alba. Bha comhla rithe san t-soitheach buidheann Fhrangach, agus anns a’ chùis so chi sinn air a sàmhlachadh, mar gu’m b’eadh, an rian dùbailte leis an deachaidh stiùradh air an dùthaich o shean. Thuirt Froude gu’n robh “rùn cho seasmhach ris na reultan” aig Màiri aig an àm so—is e sin ri ràdh an Creideamh Caitliceach a chur air bonn air Albainn air fad; ach, mar tha an t-Athair Pollen agus eachdraidhean eile ag ràdh, chan ’eil a’ chùis mar so idir. Chan ’eil dearbhadh a’s lugha againn gu’n robh a h-inntinn anns a’ chor sin. Thuirt Froude gu’n do thilg i féin am measg na [TD 228] dream a’s buaireasaiche agus a’s draghaile a bha r’am faotainn an Roinn Eòrpa air fad a los gu’n tharraingeadh i iad air ais le a cuid geasan a dh’ionnsaidh Chreidimh Chaitlicich. Ach, anns a’ bheachd so, tha dà mhearachd againn. Anns a’ chiad àite, cha robh làmh-an-uachdar fathast aig na Prostanaich nuair a thàinig Màiri air a h-ais gu Albainn sa bhliadhna 1561. Agus anns an dara àite, cha b’ann idir mar so a bha a’ Bhan-Righ òg a’ tighinn le a deòin, agus a’ gabhail ri chisean a dùthcha. Gus a’ bhliadhna so, chaidh stiùradh air a saoghal le feadhainn eile. Cha robh làn chomas fathast aice air a làtha féin a dh’orduchadh mar a b’àill leatha féin; agus, mar tha eachdraiche Sasunnach ag ràdh, “as yet her character, even if at all definitely formed, had hardly had an opportunity to reveal itself”. (1) Ach, a thaobh na puinc so, mar an té eile a thug mi fainear, tha dearbhachd chinnteach an eachdraidh againn. Is gann gu’n robh Màiri aig an taigh a ris, nuair sgriobh i litir a dh’ionnsaidh Diùc Ghuise, bràthair a màthar, anns am bheil sgathan diomhair againn a thaobh a h-uile ni a bha dol thairis air a cridhe is air a h-inntinn aig an àm ud. Chi sinn le so nach robh Màiri a’ beachdachadh orra féin mar Bhan-Righ air an robh e mar fhiachaibh an Creideamh Caitleacach a chur air bonn as ùr, no’n rioghachd aice a chumail suas a dh’aindheoin na h-uile. Cha robh i beachdachadh air Bain-Righ Ealasaid mar nàmhaid di, ach mar charaid, do’n robh mòr spéis aice, agus bha i làn mhiannach is deònach cairdeas a nochdadh dhi agus coimh-cheangail blath-chridheach a chur air (1) Mary Queen of Scots, le T. Henderson, L. i. t. 199. [TD 229] adhart. A réir Mhr. Lang, b’e a rùn-sa aig an àm ud “ruighinn air nithean a’s mò troimh mheadhon a’ phòsaidh”; agus, an drasda, “cead no saorsa a thaobh chreidimh di féin is do fheadhainn eile fhaotainn”. Ars e, “her desire, doubtless, was to make Scotland a stepping stone to higher things”. (1) Is dòcha nach robh gràdh-dùthcha idir aice do bhrigh a tuineachaidh fhada anns an Fhraing, agus an t-arach a fhuair i aig cuirt an Righ Fhrangaich. Feumaidh sinn cuimhneachadh, mar an ceudna, nuair a tha sinn a’ tighinn air an stéidh so gu’n robh i òg, ’na boireannach, car luaineach, agus anabarrach miannach air àrd inbhe. “Cha robh Màiri riamh ’na boireannach-Staide,” ars Mr. Henderson; (2) agus, mur a robh, cha robh i idir ’na ban-laoch, mar a thug mi fainear a cheana. Cha robh i idir cosamhuil ris a’ Bhan-Righ ainmeil sin Iseabal Chaitleacach leis an rachadh cuid mile rioghachd air dhith na eadhon aon Aifrionn a leigeil air falbh. Nuair a thàinig De Gouda, Tosgair a’ Phàpa gu Albainn, (3) fhuair e éisdeachd o Mhàiri, agus ged nach ’eil e tilgeadh air a’ Bhan-Righ gu’n robh i féin meagh-bhlath, neo-eudmhor, gidheadh chan ’eil e cantuinn gu’n robh i dianach agus a dh’aon inntinn a thaobh creidimh. Is cinnteach, mar an ceudna, gu’n do ghabh e diombadh nach beag as an sgriob a ghabh e aig iarrtus a’ Phàpa, oir fhuair e cor na h-Eaglaise an Albainn air mòr mhi-riaghailt, agus a cùisean féin air dol air dhith. Fhuair e a’ chuid a’s mò de’n dùthaich fathast ’nan Caitlicich, ach iad a mach air a chéile, agus mar chaoraich sgapta gun (1) History of Scotland, L. ii. t. 104. (2) Ibid., L. i. t. 135. (3) 1562. [TD 230] bhuachaille sam bith. Dhiùlt Màiri eadhon pearsa-eaglais a chur a dh’ionnsaidh na Comhairle aig Trent do bhrigh “cor aimhreiteach, trioblaideach, is tubaisteach na dùthcha aice,” ged nach robh ceannairc idir ann aig an àm no airson fad an déigh sin. Agus ann a bhi gabhail leth-sgeòil d’a fein do bhrigh nach deachaidh fathast mòran a dheanamh aice, thug i fainear gur e sin a miann (seach a deanadas féin), air am bu chòir fios a bhi aig a’ Phàp. Ach, cha, d’thug so leighis air creuchdan is lotan na dùthcha. Dhiùlt Easbuig Rois De Gouda fhaicinn, a’ cantuinn, mar leth-sgeul, nach robh ùine aige air a shon! Ghabh an duine bochd eagal cho mòr roimh Thosgair a’ Phàpa is nach deachaidh a dhiùltadh fiù le sgriobhadh chuige! “Mo thruaigh esan!” arsa De Gouda, le tàir ’na ghuth. Bha Easbuig Dhunblàthain an Dùneideann aig an àm, agus dhiult esan, mar an ceudna, Tosgair a’ Phàpa fhaicinn. Chaidh a dhiùltadh leis-san eadhon ged a rachadh De Gouda fo chòmhdach-meallta chuige! Nuair a threig an dà Easbuig so e, an sin thoisich De Gouda ri cantuinn ris fhéin, “ciod e feum a ni an leithid sin de fheadhainn dhomh? Ma tha na daoine so ’gam fhàilteachadh ciod an duil a’s còir a bhi agam ri càch?” Agus dh’fhalbh e an rathad as an d’thàinig e. Nuair a thàinig Màiri gu cathair na h-Alba, bha dà bheachd shònruichte aice. Is iad sin an Cumhnant ris an Fhraing a chumail suas, agus càirdeas ri Sasunn is Ban-Righ Ealasaid a beothachadh. B’iad na nithean so an dà chùis a b’uachdraiche ’na cridhe is ’na h-inntinn aig an àm ris am bheil sinn a’ [TD 231] buntuinn. A’ chiad ni, bha e dualach is nàdurra gu leòir ri Màiri. Ghabh i ris a’ Chumhnant eadar Albainn is an Fhraing do bhrigh gu’n robh e maireann nuair a thàinig ise gu h-aois; agus chaidh a h-àrach òg innte mar an ceudna. Bha an dàra ni rud-eigin di mar staidhrean do phòsadh uasal, agus do gach rùn àrd a bh’aice a thaobh a h-inbhe féin. Bha i sealltuinn oirre féin mar an ceudna mar oighre d’a deagh bhana-charaid Phrostanaich Ealasaid; agus ged nach robh Ban-Righ Shasuinn idir toilichte Màiri a ghabhail gu follaiseach mar oighre dhi, gidheadh b’ann le gealladh neo-sheasmhach neo-shònruichte mar so a bha i cur na ribe mu’n cuairt air Ban-Righ na h-Alba. Feudar cuimhne a dheanamh, cuideachd, gu’n robh i aig an àm so air a stiùradh le daoine a bha air am bribeadh le Ban-Righ Shasuinn, agus a bha seasamh a mach anns an dùthaich aca mar chàirdean do Shasunn, agus mar fhir-cuideachaidh a’ chreidimh Phrostanaich. Is dòcha gu’n robh a’ Bhan-Righ òg an sàs leis a’ bhuidhinn so nuair a bha i fathast anns an Fhraing; oir air dhi Easbuig Lesli fhaicinn, a thàinig d’a h-ionnsaidh à Albainn airson cùisean nan Caitliceach a chur an céill di, dhiùlt i gu buileach gabhail ris ged a bha e cantuinn rithe gu’m biodh ise air ceann fheachd mhòir de dhaoine Caitliceach nan togradh i; agus an ceann ùine ghoirid ’na dheigh sin, theann i a mach gu Albainn comhla ri Iarla Mhorai, an nàmhaid a’s miosa a bh’aice riamh, agus a bha air ceann nam Prostanach agus ’na fhear-brathaidh aig Ealasaid aig an dearbh àm ud. Ghabh Màiri mar leth-sgeul airson a giulain neònaich féin gu’n robh eagal oirre roimh Huntli, agus nach [TD 232] robh i idir toileach a gabhail ri taobh seach taobh. Cha robh earbsa aice ann-san idir, agus a thaobh sin faodar a ràdh nach ruig sinn leas ioghnadh a ghabhail; oir de na h-uile shlaoightire cealgach, carach, a bh’ann an Albainn san linn ud, is dòcha gu’n robh an t-Iarla sin ’na chrochair cho diblidh agus cho cuilbheartaiche sa bha ri fhaotainn. Coma co-dhiù, cha robh feum aig Màiri air bad nam Prostanach, airson feallsachd Iarla Huntli. Bha a’ bhuidheann Chaitliceach maraon lionmhor is comasach an Albainn, agus mur robh Huntli ’na cheannard speiseil is earbsach, chan urrainnear a ràdh nach robh an ceannard Prostanach na’s fheàrr na esan. Chan ’eil fhios fathast againn ciod a chaidh air adhart aig coinneamh a thachair eadar Màiri sa bràthair mu’n deach i air a turus a dh’ Albainn; ach o’n a thàinig Moiri d’a h-ionnsaidh à Sasunn (far an deachaidh gabhail ris leis a’ Bhan-Righ Shasunnaich am modh anabarrach càirdeil is fialaidh); agus o’n a dhiùlt Màiri na bha air a chur roimpe le Lesli agus na Caitlicich, feudar a ràdh nach robh a’ choinneamh so tur fhortanach an dàra chuid do Mhàiri féin no eadhon do’n dùthaich thrioblaidich gus an robh i triall. Aig a’ choinneimh so, is dòcha gu’n do chuir Moiri a bheachdan is a rùintean féin mu choinneamh na Bain-Righ óig, a’ sparradh gu teann oirre gun i féin a cur an làmhan nan Caitliceach. Thubhairt e gu’n robh e fior gu’n robh Huntli ’na shlaoightire neo-earbsach, gun fhiù, is anabarrach carach. Thuirt e gu’n robh Ealasaid làn thoileach a bhi ’na caraid dhi; agus nach robh sin idir comasach gun Mhàiri a bhi [TD 233] sealltuinn car càirdeil do na Prostanaich an Albainn; gu’n robh a càirdeas ri Ealasaid agus na h-earbsa a bh’aice ri crùn is leantuinn-rioghail Shasuinn an eisemeil air an dòigh anns an giulaineadh i i-fhéin nuair a bha i air cathair na h-Alba; gu’n robh càirdeas Ealasaid mar fhiachaibh oirre nan rachadh am pòsadh uasal, àrd, leatha ris an robh a duil; agus, mar sin, air adhart. Feudar sinn a bhi cinnteach leis na thachair an déigh so gu’n d’thug brathair Màiri sàr bhreith air gach uile phuinc a bha comasach gu pròis is spiorad na Bain-Righ òig a bhrosnachadh, agus sin a chum a tarraing air falbh a dh’ionnsaidh a bheachdan mheallta, feineil fhéin. Is anabarrach duilich giulan Màiri a dheanamh soilleir an dòigh sam bith eile; oir, mar a tha mi dol a dhearbhadh, cha robh cor nan Caitliceach air dhith—cha robh crùn na h-Alba eadhon an cunnart—nuair a dh’fhàg Màiri an Fhraing agus a thill i gu Albainn. Bha an Albainn nuair a thill a’ Bhan-Righ òg, tri bhuidheann air leth. Is e sin ri ràdh, na Gàidheil, na Caitlicich, agus na Prostanaich. A thaobh na ciad té, b’ann do’n t-sean Eaglais a bhuineadh na Gàidheil aig an àm ud. Cha robh luchd-sgaoilidh a’ chreidimh is bheachdan Shasuinn fathast ’nam measg, ged a bha iad a’ deanamh stri chum faighinn a staigh innte. Bha an dàra buidheann air a deanamh suas de fheadhainn a bha ’nan Caitlicich, ged nach robh iad ’nan Gàidheil. B’ann dhiubh so, bha Iarla Huntli sa chàirdean an taobh an ear na h-Alba. A thaobh na té mu dheireadh, b’iad na Prostanaich a mhàin, agus bhuineadh iad do na bailtean agus do na mathraichean. B’ann do dh’fhuil nan Sasunnach [TD 234] is coigrich eile an taobh a staigh do Albainn a bhuineadh iadsan. A nis, de na buidhnichean so uile, b’i an té a chaidh ainmeachadh mu dheireadh ’na buidheann a’s teirce, agus a’s laige a bh’ann. Bha an dàra té comasach gu leòir, ged nach robh aice an cumhachd-cath sin a bha aig na fior Ghàidheil. An té a chaidh ainmeachadh an toiseach, se sin na Gàidheil, b’i sin a’ bhuidheann a’s lionmhoire agus a’s cumhachdaiche a bha an Albainn air fad. Mo thruaighe, Màiri bhochd nach robh fios aice air sin! Mo thruaighe Albainn bhochd nach robh duine innte aig an robh an comas is an toil chum seasamh a mach mar charaid di fad nan làithean trioblaideach fuilteach sin a bha nis tighinn thairis oirre mar bhrat dubh an anamuich! B’ann air an 6mh là de’n Samhainn—mu dhà bhliadhna roimh àm tilleadh Màiri a dh’ Albainn—a thug feachd nan Caitleacach buaidh air na Prostanaich faisg air Dùneideann, gam fuadach a mach, agus a’ toirt orra am baile sin fhàgail am measg fhochaidean is maslaidh an t-sluaigh uile. Chan fhaodar àicheadh nach robh cùis is aobhar nan Prostanach car neo-mheasail ris a’ chuid a’s mò eadhon de mhuinntir nam bailtean Albannach aig an àm ud. Tha eachdraiche àraidh ag ràdh, “the truth is, and almost every page of contemporary history bears witness to the fact, that the Lords of the Congregation profoundly distrusted their own cause. Protestantism was undoubtedly weak, both in the measure of support it received throughout the country, and in the temper of many of its professed adherents. It was a growing [TD 235] force in some of the towns… but it had absolutely no hold on the peasantry; and the nobles who almost all professed the true faith for reasons peculiar to themselves, were feebly supported by their vassals.” (1) Agus ann a bhi toirt iomradh air a’ bhlàr a chaidh a chur faisg air Dùneideann eadar luchd-leanmhuinn na Bain-Righ agus na Prostanaich, tha na briathran a leanas aig an eachdraiche ceudna: “There is little trace of that enthusiasm and tenacity of purpose which we are wont to associate with the idea of a religious war; and the Lords were so entirely sceptical as to the power of Protestantism to win their support that they sought more and more to shift the course of the dispute into another channel… Distrust of France had indeed long been sapping an Alliance which was the growth of centuries; but in the absence of any palpable act of aggression, the process could proceed but slowly. One would suppose, too, that these asseverations of patriotic fervour must have sounded somewhat hollow in the mouths of the Protestant Lords. They were the representatives of a party which in recent years had shown itself singularly obtuse to the dictates of the national honour—a party which had incited Hereford to his merciless devastations, and which even in the dark days after Pinkie had offered to take service with the English invader.” (2) Gu fior, ann a bhi beachdachadh air cor is suidheachadh ar dùthcha aig an aimsir ud, feumaidh gach neach ioghnadh a ghabhail nach robh na buidheannan (1) Politics and Religion, L. i. t. 66-67. (2) Ibid., t. 68. [TD 236] Albannach mòran na’s iomaganaich, deanadaiche na bha iad air tùs. Eadhon an deigh àm tilleadh Màiri gu Albainn, nuair a bha na Prostanach mòran na’s lionmhoire agus na’s cumhachdaiche na bha iad roimh, cha robh làmh-an-uachdar fathast aca air feadh mhachraichean na h-Alba. Bha iad an dàra cuid lionmhoir is comasach anns na bailtean, ach a thaobh muinntir na dùthcha, cha do ghabh iad fathast idir gu caoimhneil ris a’ chreideamh ùr agus a luchd-sgaoilidh. Tha fios aig a h-uile fear nach robh gabhail ris an lagh sin a chaidh a chur air chois los bacadh a chur air cleachdadh cumanta a’ chreidimh Chaitlicich eadhon an Dùneideann féin—fior dhaingean aig na Prostanaich. Chuir an t-Athair Hay fios gu Borgia, agus e air a sgriobhadh sa Chéitein 1566 chuige, gu’n robh “mòran na’s mò na 9,000 sluagh a fhuair Comanachadh gu follaiseach an Eaglais na Bain-Righ agus sin aig àm an Caisg so chaidh”. Agus tha e ag ràdh, “Fhuair mi fios gu’n d’rinn mòran sluaigh eile an ni ceudna air feadh na Rioghachd”. “Chi sinn le so (ars e) nach bu duilich an sluagh so uile a tharruing air an ais gus an dleasannan, agus gu uchd na h-Eaglaise.” Thug fear de na h-Easbuigean deadh chomhairle seachad do Mhàiri, mar an ceudna. Spàrr e gu teann oirre Albainn a saoradh o eiriceachd, agus an Creideamh Caitliceach a chur air chois as ùr. Thuirt e gu’n robh mòran Chaitlicich ann a bha toileach éiridh air a son, nan rachadh ise air an ceann, agus gu’n rachadh maraon airgiod is daoine am pailteas a chruinneachadh air sgath a leithid sin de dh’aobhar. Ach, dhiùlt Màiri sin gu buileach, ag ràdh nach robh ise idir toileach [TD 237] fuil a sluaigh fhéin a dhòrtadh; (1) agus gu’n robh Ban-Righ Shasuinn a’ beachdachadh oirre mar oighre do’n chrùn aice—ni nach d’aidich Ealasaid riamh—agus gu’n do ghabh ise a cheana mòran chomharraidhean srònruichte blath-chridheach de’n bhlas is de’n spéis a bha aig a’ Bhan-Righ ud d’a taobh féin. Dh’fhàg De Gouda, mar an ceudna, dearbhadh seasmhach eile againn nach robh na Caitlicich cho tearc agus cho eu-comasach sa tha cuid d’ar n-eachdraichean a’ creidsinn. Sgriobh e gus an Roimhe’ mu’n àm so gu’n robh mòran Chaitlicich fathast ann, chan ann a mhàin am measg muinntir na dùthcha, far an robh iad lionmhoir gu leòir, ach “eadhon am measg nan uaislean agus luchd-riaghlaidh na Stàide”. Tha e dol air adhart, “chan eil ar nàimhdean-ne ro lionmhoir: ni mò tha iad cho cumhachdach, dianach, sa tha mòran a’ creidsinn”. Ach ged a bha buidheann chumhachdach is lionmhoir an Albainn aig an robh toil is comas éiridh air sgath Màiri, gidheadh chaidh am bacadh is am mi-mhisnicheadh leis a’ Bhan-Righ féin. “Is beag a’ chumhachd a tha aig a’ Bhan-Righ,” deir an t-Athair Hay, is e sgriobhadh gu Laynez. Agus ann a bhi sgriobhadh gus an Roimhe, dh’innis Easbuig Dhunblàthain do’n Phàp gu’n robh “feum (1) Gu cinnteach, leth-sgeul tur faoin, gun bhrigh, a bh’ aig Màiri, ma ghabhas sinn sàr bheachd air na thachair an Albainn ’na dhéigh sin. Cha robh i idir cho poncail mu dhòrtadh na fala nuair a chaidh-i a mach an aghaidh Huntli aig iarrtus a bràthar, am Fear-diolain. A thaobh Ban-Righ Ealasaid faodar cuimhneachadh gu’m b’e an rùn a bha aig Moiri is aice-sa, Mairi a mhealladh anns an dòigh so, eagal ma dh’fhaoidte gu’m fasadh i ceannlaidir, agus ga cur féin air ceann Chaitlicich na h-Alba is Shasuinn gu briseadh a staigh do’n bheachd aca, agus, mar sin, gu’n rachadh an còrdadh eadar Moiri is Ealasaid air dhith. [TD 238] mòr aig Màiri air deadh chomhairle, agus, mar sin, air luchd-comhairle maraon diadhaidh is glic”. Agus, aig an àm cheudna, tha e spàrradh air a’ Phàp Ard-Easbuig Ghlaschu (1) a chur a dh’ionnsaidh Alba, los cùisean na dùthcha a ghabhail os láimh, agus cor is suidheachadh a’ Chreidimh a chur am feabhas. Ach, ged a bha na Prostanaich, le Moiri air an ceann, fo cheangal aig Ealasaid Mairi is an Creideamh Caitliceach a sgrios le chéile is gu buileach, cha b’ann idir mar nàimhdean di féin no d’a dùthaich a bha i gabhail riu. Chaidh buidseachd a chur oirre leis a’ bheachd a thug a bràthair leis à Sasunn; agus is dòcha—nan robh smuaintean riamh aice air a’ chùis—gu’n do smuainich a’ Bhan-Righ gu’n rachadh stiùradh air Albainn ceart mar a rinn e nuair a bha Màiri Ghuise air ceann na dùthcha. B’ann mar so a bha mathair na Ban-Righ a’ cumail a greim air stiùir na Stàide—an Cumhnant eadar Albainn is an Fhraing a chumail suas, agus cead no saorsa a thaobh creidimh a thoirt a staigh do na h-uile neach. Ach, cha robh Màiri mar a bha a mathair-sa, ged nach robh Màiri Ghuise anabarrach glic is gearr-sheallach mar bhoirionnach-Stàideil: ni mò tha e comasach a ràdh gur b’ionnan an suidheachadh a bha aig Màiri, agus aig a màthair. A bharrachd air sin, cha robh suidheachadh na Frainge is na Roinn Eòrpa, cuideachd, ceart mar a bha e nuair a bha Màiri Ghuise air ceann na h-Alba. Bha na Prostanaich anns an Fhraing a’ deanamh upraid nach beag, ga tarruing a thall sa bhos ann a bhi toirt oidheirp air làmh-an-uachdar air an dùthaich (1) A bha ’na Thosgair aig Albainn do chùirt na Frainge. [TD 239] sin fhaotainn; agus, sin a thachair anns an Fhranig, bha e gabhail àite aig a’ cheart uair air feadh Tir-mòr na Roinn Eòrpa. B’éiginn do Mhàiri seasamh a mach ’na h-aonar a nis. Cha robh cuideachadh as an Fhrang a’ tighinn chuice, ni mò bha duil aice ri sin; agus ged a bha, is dòcha nach gabhadh sluagh na h-Alba idir ris. Chaidh an dùsgadh a thaobh a’ Chumhnaint sin. Ach, mu dheireadh thall, agus nuair a bha sin ro anmoch, is mi-fheumail, ghabh Màiri aithreachas as an dòigh air an robh i tighinn beò: dh’fhosgladh a sùilean-sa, agus chaidh car eile a chur an cuibheal fortain na h-Alba. Nuair a chairicheadh an lion mu’n cuairt di, dh’aithnich i gu’n robh i an cunnart mhòr, eigineach—an cunnart o Ealasaid, an cunnart o na Prostanaich, an cunnart o Mhoiri is na Sasunnaich agus air a bagradh le nàimhdean an taobh a staigh agus an taobh a muigh de’n dùthaich aice. An sin, thoisich i ri breabadh an aghaidh nan dealg. Thug i fainear mu dheireadh gu’n dh’fhairtlich gu buileach oirre réite a dheanamh agus a chumail suas eadar nam Prostanach agus buidheann nan Caitliceach Albannach. Dh’innis i do’n Phàp air an litir a sgriobh i gus an Roimhe air an 31mh là de’n Fhaoilteach 1565-6 gu’n do chuir i riompe an Creideamh Caitliceach a chur air bonn as ùr; agus gur e am beachd aice oidhirp a thoirt air a’ ghnothach sin gun tuille dàil a chur ann, a chionn nach robh Moiri sa chàirdean an Albainn aig an àm ud. Ghairm i Rizzio gus a comhairle féin, (1) agus an ùine ghoirid chaidh a chur os (1) A réir coltais, cha robh Màiri freagarrach airson deadh chomhairle. Ann a bhi sgriobhadh gus a chàirdean anns an Roimhe, [TD 240] ceann Alba mar fhear-stiùraidh di. Car tamuill, agus shoirbhich a rùn leatha: chaidh gach ni air adhart gu réidh, agus gu ro mhaith. Thòisich an dùthaich ri ullachadh airson éiridh maille ri Màiri, agus is dòcha gu’m bitheadh crioch làn shoirbheasach air a’ chùis, nuair a ghabh Darnlai amharas is eud anabarrach mòr do thaobh Rizzio. Mu’n robh an làtha air ciaradh, chaidh an truaghan mharbhadh, agus, aig a’ cheart àm, thuit gach ni a bha an eisimeil ris gu làr. Thill Moiri gu Albainn, agus, aig an dearbh uair sin, chaidh binn a mach, mar gu’m b’eadh, an aghaidh Màiri is an aghaidh Alba. RUARAIDH MAC UILLEIM, ARASCAIN IS MHÀIRR. (R’a leantuinn.) tha’n t-Athair Hay a’ cantuinn, “tha mi guidh oirbh bràth a thoirt air a’ Bhan-Righ sin (Màiri) ’nur n-ùrnaighean agus ’nur Sàora-maidean. Feudaidh a bhi là-eigin gu’n oibrich a h-uile ni an ceann a chéile airson maith a’ pheacaich ud; agus gu’m fàs i déigheil air a bhi deanamh maith—ise nach gabhadh deadh chomhairle roimh so.” THE BARD OF GLENORCHY [Beurla] [TD 241-248] [Beurla] [TD 249] SEANN SGEUL “LUNNAINN A RIS!” BHO chionn mhòran bhliadhnaichean, bha iasgair còir tapaidh a’ còmhnaidh an àite uaigneach an Ceann-tàile—sgire fharsainn an ceann a deas Siorramachd Rois. Chaidh e fhéin agus sgioba ’bhàta dh’ iasgach air feasgar briagha samhraidh. An uair a bha iad a muigh an druim a’ chuain, bheothaich a’ ghaoth gu h-uamhasach, agus dhòirt an t-uisge ’na thuiltean. Dh’iomair iad dhachaidh cho luath sa b’urrainn iad. Nuair a bha iad a’ toirt a’ bhàta gu tir, bhuail i air sgorra creige le mòr-onfhadh na fairge, agus bhriseadh a druim ’na dhà leith. Air la’r na mhàireach, thog an t-iasgair air gu coille àraidh a bha astar math bho’n taigh, fiach am faigheadh e bun craoibhe dhe’n deanadh e druim ùr dha ’na bhàta. Nuair a bha e astar math bho’n taigh, thuit ceò dùmhail mu’n cuairt da, agus a chionn nach robh e riamh roimh air an t-slighe cheudna, chaidh e air chall. Cha robh fhios aige dé dheanadh e. Nan rachadh e ni b’fhaide air adhart is dòcha gu’n tuiteadh e le creig, is bha dhol air ais a’ cheart cho cunnartach. Shuidh e far an robh e. Bha’n ceò dùmhlachadh is an t-uisge tromachadh, agus sgàilean na h-oidhche a’ tuiteam, lion beag is beag, mu’n cuairt da. Mu dheireadh, dh’fhàs e cho dorcha sa bhitheadh e. Sheall e mu’n cuairt da, is chunnaic e solus dearrsanta thall mu choinneamh. Rinn e suas inntinn air ball gu’n deanadh e direach air an t-solus. Dh’fhalbh e, is an déigh iomadh toll agus slochd agus càrn a chur seachad, ràinig e an taigh. Chaidh e stigh. Bha triuir boirionnach an sin ’nan [TD 250] suidhe timchioll air clach an teinntean. Dh’innis e mar thachair dha, ach ged dh’innis, is ged chunnaic iad fhéin gu’n robh e bog, fliuch, acrach, cha do dh’ fhoighneachd iad an robh bial air. Nuair a thàinig àm a dhol a laigh, thuirt iad ris gu’m feumadh e falbh—nach robh àite aca-san dha. “Cha’n fhalbh mi ’nochd,” ars’ esan. “Chaidh mi air chall mar tha, ’s ma theid mi mach an dràsda cha’n ’eil fhios cait an stad mi.” Nuair a chunnaic na boirionnaich nach robh math sam bith dhoibh a bhi ris, sheall iad seomair cadail dha, is chaidh an duine bochd do’n leabaidh, fuar fliuch, acrach is mar a bha e, ach ged a bha e bho’n aodach, faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh e socrach ’na inntinn. Nuair a shaoil iad gu’n robh e air tuiteam ’na chadal, chaidh té dhiubh suas far an robh e, is chuir i a cluas ris, fiach an robh srann aige. Leig esan air gu’n robh e an rioghachd na suaine bho chionn fada, is shaoil ise gu’n robh gach gnothach ceart. Chaidh i null gu ciste mhòr a bha’n oisean an t-seomair, is thug i mach aisde boineid bheag ghorm, is chuir i mu ’ceann i. “Lunnainn a rìs!” ars’ ise, is cho luath sa thuirt i na briathran, chaidh i mar dhealanach a mach troimh na sgrathan a bh’air mullach an taighe. Air ball, thàinig an dàra té de na boirionnaich a nuas far an robh e. Chuir i a cluas ris, is tharruing esan srann mòr. Chaidh i null a dh’ionnsuidh na ciste cheudna, is chuir i boineid bheag ghorm air mullach a cinn. “Lunnainn a rìs!” ars’ ise, is sud a mach ise troimh na sgrathan cuideachd. Rinn an treas té an ni ceudna, is mu’n tàrradh an duine bochd e fhéin a [TD 251] bheannachadh, sud ise mach cuideachd. Bha’n taigh aige nise dha fhéin, agus bho’n a bha, smaoinich e gu’n éiridh e is gu’n sealladh e mu’n cuairt da. Chuir e uime bhriogais an cabhaig, is chaidh e null a dh’ ionnsuidh na ciste bha san oisean, far an robh na boineidean iongantach a bha toirt air falbh mhnathan an taighe san robh e. Dh’fhosgail e i, is chunnaic e gu’n robh i loma-làn de na boineidean gorma so. Dh’fhiach e té dhiubh ’na làimh, is chuir e sin air a cheann i. “Lunnainn a rìs!” ars esan, is cha bu luaithe thuirt e sin na bha e mach troimh na sgrathan air ball, is an ath shùil a thug e, fhuair e e fhéin an seomar dibhe an Lunnainn, is air an ùrlar air a bheulaobh bha an triuir boirionnach a chaidh am mach troimh na sgrathan beagan ùine roimh sin, is iad air tuiteam seachad leis an daoraich. Bha gach seòrsa dibhe, is gu leòr dhith, mu’n cuairt da. Bho’n a bha e fuar, fliuch acrach, thòisich e air òl gus mu dheireadh an robh e fhéin ’na shineadh marbh air an ùrlar leis an daoraich. Fad iomadh bliadhna roimh so, bha fear an taighe-òsda ag ionndrainn mòran dibhe bhatar a goid air, ach cha d’fhuair e mach riamh cò bha deanamh na meirle. Cha robh dòigh air na boirionnach so a ghlacadh—bha na boineidean gorma ro dheiseal airson an giulain gu h-obann air falbh bho na h-uile luchd-tòrachd. Ach aig an àm so, dh’fhosgail fear an taighe-òsda an seomar dibhe so, agus fhuair e an duine bochd ’na ghlag marbh air an ùrlar, gun smid aige leis an daoraich. Cha robh sgeul air na boirionnaich—is fhad bho thug na boineidean gorma gu h-uallach [TD 252] gu Ceann-tàile iad. Thuirt fear an taighe-òsda ris fhéin. “Mu dheireadh thall ghlacadh am meirleach. ’S iomadh stop a dh’òl thu orm fad nam bliadhnaichean a chaidh seachad, ach gheibh thu do dhuais.” Chuireadh an duine bochd an làimh is thugadh gu cùirt e. Fhuaradh ciontach e, agus thugadh binn bàis am mach air, agus air là àraidh a dh’ainmich am breitheamh, bha lùbach de’n bhall gu dhol mu sgòrnan. Thàinig an là. Bha’n crochadair, sa chroich deiseal, san duine bochd a’ feitheamh na mionaide. Thuirt an crochadair ris gu’m faodadh e ni sam bith a thoilicheadh e ràdh na dheanamh fad choig mionaidean mu’n crochte e. Chuir e a làmh ’na phòcaid, agus thug e mach aisde luidean bog, fliuch, làn àlaidh an uisge-bheatha. Sheall e air, is dé bha so ach a bhoineid ghorm a thug à Ceann-tàile e. “Am faod mi so a chur air mo cheann?” ars’ esan ris a’ chrochadair. “Faodaidh,” ars’ an crochadair. Chuir e a’ bhoineid ghorm mu cheann aon uair eile, is thuirt e air ball, “Ceann-tàile a rìs!” is cha luaithe thuirt e sin, na dh’fhalbh e fhéin sa chroich san crochadair dìreach gu Ceann-tàile. Nuair a fhuair e an crochadair os cionn na mara, thug e breab dha, is thuit e sa mhuir is bhàthadh e. Ràinig e cheann-uidhe an tiota, agus a’ chroich ’na chois, agus an là no dhà rinn e druim do na bhàta leis a’ chroich a bha dùil aige chuireadh crioch air a bheatha. J. N. M. [TD 253] MAR A DH’EIRICH CUID DE NA SEAN-FHOCAIL CHA’N ann an diugh no’n dé a thòisich daoine air labhairt ann an Sean-fhocail. Ann an òige an t-saoghail bha mòran de theagasg an t-sluaigh air a thoirt seachad ann an Sean-fhocail, no’n Gnàth-fhocail. Bha a’ chleachdainn so am measg gach cinneach air am bheil eachdraidh againn. Tha sinn uile eòlach air Gnàth-fhocail Sholaimh. Bha na Ròmanaich, ’s na Gréugaich ag aiseag eòlas agus creidheamh troimh an Sean-fhocail, ach tha mi creidsinn nach robh sluagh idir ann air am bheil uiread chumhachd aig Sean-fhocail ri Clanna nan Gàidheal. Is math a labhair fear d’am b’aithne, ’n uair thuirt e:— “Is ann, mar bu trice, leis na daoine a bu ghlice ’s a bu ghéire a chaidh na Sean-fhocail a chur ri chéile; agus am measg nan daoine a b’fhòghluimte anns gach linn ’s anns gach àite bha iad air an altram le mór-urram. Air Gnàth-fhocail Sholaimh—an duine a bu ghlice a chunnaic an saoghal riamh—rinn sinn a cheana iomradh. Rinn an Gréugach a b’ainmeile ’n a rioghachd féin air son eòlais is gliocais cruinneachadh de Shean-fhocail a dhùthcha. Tha dearbhadh againn ann am Bàrdachd an ughdair is àirde cliù a sheinn ’s a’ Bheurla air a’ mheas a bh’aige-san air Sean-fhocail Shasuinn; agus rinn sgriobhadairean ainmeil uair is uair cruinneachaidh dhiubh so. Ann an saothair nam Bàrd Gaidhealach chi sinn an cumhachd a bh’aig Sean-fhocail thairis air na h-inntinnean a b’urramaiche d’ar cinneadh féin. Rinneadh [TD 254] cruinneachadh de na Sean-fhocail Ghàidhealach o chionn moran bhliadhnachan le deagh sgoileir —Mac-an-Tòisich—ach cha ’n ’eil an leabhar a nis ach tearc.” Chuir an Gàidheal fòghluimte sin, an Siorram Mac Neacail, nach maireann, a luchd-dùthcha fo mhór chomain air son a cho-thional eireachdail de Shean-fhocail a chuir e r’a chéile anns a’ bhliadhna 1881. Tha anns an leabhar sin teann air ceithir mìle Sean-fhocal, agus bho’n a chaidh a chlo-bhualadh thog co-chruinneachadh no dhà de Shean-fhocail ceann, agus mar sin tha co dhiù còrr is mìle Sean-fhocal air sgeul nach ’eil anns an leabhar luachmhor aig Mac Neacail. Sgriobh an t-oide-foghlum MacFhionghainn ann an Dun-Eideann anns “A’ Ghaidheal” (1875) mòran mu na Sean-fhocail agus so mar a dh’fhuasgail e a’ cheist “Ciod e Sean-fhocal?” “Aithnichidh gach aon againn Sean-fhocal an uair u chì no ’chluinneas sinn e; ach cha’n ’eil e cho farasda a mhìneachadh do neach eile ciod iad na feartan a tha ’deanamh suas na doigh-chainnt so. Thuirt Sasunnach ainmeil a tha fathast maireann gur e Sean-fhocal ‘gliocas mòrain, ach geiread aoin’; agus thuirt sean ughdar Ròmanach gu bheil an Sean-fhocal mar an seillean, ‘gu’m faighear a’ mhil ’s an gath ann an coluinn bhig’. Gheibhear an so, tha mi meas, an da chuid mineachadh agus eisimpleir air Sean-fhocal; ach cha ruigear leas fiughair a bhi gu’n seas am mineachadh an còmhnuidh fìor. Cha’n fhaighear Sean-fhocal, tha mi creidsinn, as eugmhais nan tri nithean so—Gliocas, Geiread, Giorrad; ach [TD 255] cha’n ’eil mi cho dearbhta gu’n deanar suas e leis an tri a mhàin. Mu’m fàs e ’n a Shean-fhocal is éiginn gu’n gabh an saoghal ris mar aon; agus cha bhiodh e duilich iomadh ràdh fhaotainn a tha glic, geur, is gearr, nach d’fhuair fàrdach am measg an t-sluaigh. Ach ma théid agad air firinn a thilgeadh ann am beagan de fhocail shnasmhor a ni greim air inntinnean dhaoine, air chor ’s gu bheil an fhirinn air a h-aiseag o bheul gu beul ad chainnt fein, ’s e mo bharail gu’m feudar a ràdh gur Sean-fhocal an fhirinn so. Ma bhitheas an ràdh air a thoirt seachad fo shamhladh, no an rann, no ann am focail a ni fuaim thaitneach do’n chluais, bithidh e na’s dòcha gu’n gabh an sluagh ris, ach ma nithear a bheatha ás eugmhais nan innleachdan so is Sean-fhocal e.” Tha cuid de na Sean-fhocail Ghaidhlig nach tuigear gu math mur bi fios againn ciamar a dh’éirich iad, no cuin a chaidh an gnàthachadh air son na ceud uaire. Tha mhiann orm aig an àm so feuchainn ri innseadh ciamar a dh’éirich cuid dhiubh, agus leis gu bheil fhios agam gur aithne do chuid agaibh ciamar a dh’éirich iad cho math ruim fhéin tha mi ’n dòchas nach gabh an leughadair gu donna ged a bheir mi dha làn spàin no dhà de bhrochan air ath-theòthadh; ach co dhiù, faodaidh mi fasgadh a ghabhail air culaobh an t-Sean-fhocail, “Cha mhisde deadh-sgeal aithris dà uair”. Chuala sinn uile an Sean-fhocal— “IS MITHICH A BHI BOGADH NAN GAD,” oir tha e am beul gach neach ’n uair a tha e bràth dol ann an ceann gnothaich sònraichte air bith. Is fhada o’n a dh’éirich an Sean-fhocal so. A réir beul- [TD 256] aithris na dùthcha, tha e dol air ais gus an àm anns nach robh a’ Ghàidhealtachd uile air a h-àiteach—an t-àm sin ris an abrar “Linn an Aigh” an linn ghloir-mhòr sin mu’n do sgriobh am bàrd Iain Mac Cuaraig:— “An uair bha Gàidhlig aig na-h-eòin Bha’m bainne air an lòn mar dhriùchd, A’ mhil a fàs air bàrr an an fhraoich— A h-uile ni cho saor ’sam bùrn. Cha robh daoine pàigheadh màil, Cha robh càin orra no cìs,— Iasgach, sealgach, agus coill, Ac’ gun fhoighneachd is gun phrìs. Cha robh cogadh, cha robh comhstrì, Cha robh connsachadh no streup ann; H-uile fear a’ gabhail còmhnaidh Anns an t-seol ’bu deòin leis féin e. Bha caoimhneas comunn iochd is gràdh Anns gach àite ’measg an t-sluaigh; Eadar far an éirich grian, Is far an laidh i ’niar ’sa chuan.” Anns na làithean àghmhor sin a dh’fhalbh ’s nach till gu bràth, ’n uair a bha teaghlach an tuathanaich a togail an cinn agus toileach an saoghal fhaicinn, agus feuchainn ri deanamh air an son féin; ’nuair a phòsadh am mac a bu shine rachadh latha sònraichte a shuidheachadh anns an robh a’ chàraid òg ri gabhail a mach a chur dachaidh air bonn air an son fhéin. Seachdain roimh ’n latha mhór so rachadh gad no dhà a ghearradh. ’Nuair thigeadh làtha na h-imrich [TD 257] rachadh dà chliabh a chrochadh air druim gearrain, agus an lionadh làn chlach. Bha na cliabhan so air crochadh air gad no dhà, agus ’nuair a dh’fhàgadh a chàraid òg agus an gearran an sean dachaidh, bha iad ri cead a choise a thoirt do’n ghearran, agus cha robh iad ri stad a dheanamh gus am briseadh an gad a bha ceangal an dà chliabh, agus an t-àite anns an tuiteadh na cliabhan b’e sin làrach an tighe. Mur an robh toil aig a’ chàraid òg dol fad air asdar cha bu mhiann leo an gad a bhi righinn, ach ma bha toil aca dol air asdar dheanamh iad an gad righinn le a bhogachadh gu math an oidhche roimh laimh. ’Se so mata a thog an Sean-fhocal “Is mithich a bhi bogadh nan gad”. SEAN-FHOCAIL MU’N FHEINN. Ciod air bith a dh’fhaodas daoine à radh mu’n Fhéinn, agus ciod air bith beachd a dh’fhaodas a bhi aig ciud mu Fhionn is Oisean, cha ’n ’eil dà dhòigh nach robh na seana Ghàidheil a’ creidsinn annta, agus a gabhail cuid de Laoich na Féinne mar shamhladh air na buadhan saoghalta a b’àirde ’sa b’urramaiche. Ma bha duine neartmhor agus treun, bha e “cho làidir ri Cu-chuillin”. Ma bha duine dìleas, seasmhach, theireadh na sean daoine—“Cha do thréig Fionn riamh caraide a dheis laimhe”. Ma bha duine pongail, seanagarra, theirteadh gu’n robh e “cho fada ’sa cheann ’sa bha Fionn ’sna casan,” agus ma ni sibh fheòraich dé cho fada ’sa bha sin, innseam dhuibh nach robh air Fionn ach an aona choire—cha robh e ach ochd troighean air àirde ’n uair a bha’n còrr de’n Fhéinn deich troighean. Ma bha iomradh air duine fialaidh có bheireadh bàrr air Fionn ann an fialaidh- [TD 258] eachd; nach ’eil an teisteanas so aige fhein agus aig ’fhàrdaich anns na Sean-fhocail— “Tigh farsuing, fial— A chòmhla cha do dhruideadh riamh,” agus “Bha dorus Fhinn do’n ànrach fial”. Cha d’iarr an Gàidheal riamh cothrom a b’fheàrr na “Cothrom na Féinne”—b’e sin fear an aghaidh fir—laoch an aghaidh laoich. Chuala sinn uile an ràdh “An Fhéinn air a h-uilinn”—agus so mar a dh’eirich an ràdh so. Bha an Fhéinn aig aon àm fo gheasaibh ann an uamh àraidh nach b’fhiosrach do neach beò. Aig beul na h-uamha bha dùdach, agus na’n robh de mhisnich aig an neach a gheibheadh a mach iad, an dùdach a sheinn trì uairean, dh’eireadh an Fheinn beò, slàn. Air do shealgair àraidh dol air seacharan ann an ceò, thainig e air an uamha anns an robh an Fhéinn. Chunnaic e an dùdach, agus chuimhnich e air an t-seann ràdh, gu’n robh an Fheinn fo gheasaibh, agus ge b’e neach a sheideadh an dùdach trì uairean gu’n dùisgeadh e iad. Bha e ’g am faicinn ’n an laidhe ’s an uamha: rug e air an dùdaich, agus shéid e sgal chruaidh oirre. Is ann le mor ioghnadh a thug e fainear gu’n do dh’fhosgail gach aon diubh an sùilean agus iad a’ dùr-amharc air ’s an aodann, agus thug e fainear mar an ceudna, le oillt, gu’n robh an suilean mar shuilean dhaoine marbh. Thog e a mhisneach, shéid e sgal eile air an dùdaich, agus ghrad dh’éirich gach aon air ’uilinn. An uair a chunnaic e sin chaill e uile gu léir a mhisneach, agus theich e. Air dha a dhachaidh a ruigheachd dh’innis [TD 259] e a sgeul d’a chàirdean, agus ghabh iad a mach còmhladh, ach cha b’urrainn doibh amas air an uaimh tuille, ’s cha d’fhuaras riamh i gus an latha ’n diugh. Theirear bho sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn”. “DÀ DHIÙ GUN AON ROGHAINN.” Tha daoine eòlach gu leòir air an t-Sean-fhocal so ach theagamh nach cuala gach neach mar a dh’éirich e. Dh’éirich e “Latha Ionar-Lòchaidh,” agus tha ’n sgeula co-cheangailte ris a leigeil ris dhuinn nàdar borb Alasdair Mhic-Colla. Anns an ruaig, rinneadh prìosanach de’n churaidh thréin agus fhoghaintich sin Triath Ach-nam-breac, a thug iad a dh’ionnsaidh Alasdair. Shaoil leis an duine mheasail so le ghiùlan seimh suairce gu’m maolaicheadh e reasgaireachd Alasdair le càileiginn de chàirdeas a mhaoidheadh air. “Cha’n ’eil ag,” a deir Alasdair, “na’m biodh ùin’ againn air, nach faodamaid càirdeas a dheanamh a mach. Tha fhios agam gur duin’-uasal measail thu, Tighearna Ach-nam-breac an Alba, agus Fear Dhùnlìr an Eirinn; uime sin tha mi dol a chur urram ort, do roghainn a thoirt dhuit, có dhiu is feàrr leat do chrochadh no an ceann a chur dhiot?” “Mo thruaighe!” deir an duine eireachdail, “dà dhiù gun aon roghainn.” Leis a so tharruing Alasdair Mac-Colla an t-eueorach allmharra a chlaidheimh, agus gheàrr e sios Triath Ach-nam-breac le aona bhuille. “CHUNNAIC MISE DÀ MHAC COINNICH ROMHAD.” Chaidh na focail so a ràdh ri Maor a bh’ann an Leòghas. Tha e coltach nach robh an dà mhaor Mac Coinnich buan, agus ’n uair a bha iad a cur fear [TD 260] dhiubh fo thalamh, thuirt bodach a bha sin, a b’aithne am fear a bha iad a cur fo’n fhóid— “Cuiribh air! cuiribh air! ’S esan a chuiribh oirnne; ’S ma dh’éireas e rithist, Cuiridh e’n còrr òirnn”. Tha Sean-fhocal no dhà air aithris mu Shir Eóghan Camaron, Loch-iall. Chaidh a chliù a sgriobhadh le filidh a bha ainmeil ’na làtha ’s na linn, a tha cho maiseach gu bheil e toirt bàrr air gach cliù thàinig air thoiseach air—agus b’e sin a b’aobhar do’n ràdh— “Gach cliù gu ‘Cliù Eóghain,’ Gach dàn gu ‘Dàn an Deirg,’ Gach laoidh gu ‘Laoidh an amadain mhóir’”. Is ann mu’n cheart Eóghan so a dh’eirich an Sean-fhocal—“Cum air do cheum a chailleach, ’s an ceum barrachd aig Eóghan,” agus so an naigheachd tha dol mu’n t-seann ràdh so:— Bha Sir Eoghan turus air ghnothach cabhaig an Ionar-nis, agus a’ tilleadh dhachaidh, mar a bha e a’ togail a mach as a’ bhaile, ciod a’ cham-chòdhail a rinn suas ris ach luiriste de bhoirionnach iargalta, fad-chasach—ban-bhuidseach. Cha do chuir iad fàilte air a chéile ann; ach bha ise cumail an aon cheum air an co-imeachd ris. Bu cho math le Eoghan ban-chompanach eile rithe, ’s gun fhios aige co b’i; ach cha robh a choltas oirre-se gu’n robh a chuid-eachdas a’ droch-chòrdadh rithe. Ach, ’s na gàmagan a bh’ann, thugar i tuisealachadh oirre fhein ’s thuirt i: “Ceum ann, Eoghain!” Nise, an luib na bròig-airgid a fhuair Sir Eoghan ’s an taghairm, fhuair e [TD 261] buaidh air cruaidh, air luaidhe, ’s air buidseachd, ’s cha robh sin gun fhios da, agus thuirt e ris a’ chaillich ’s e toirt tàrr-leum as:— “Ceum air do cheum, a chailleach, ’S an ceum barrachd aig Eoghan”. Cha robh an còrr bruidhne eatorra ’s an àm; ach chum iad na h-aon sìnteagan air gus an d’ràinig iad Caolas Mhic-Phadruic—’s cha b’iongantach iad a bhi sgith. Dh’éibh Eoghan an t-aiseag ’s thàinig am bàta; ach cha leigeadh na gillean a stigh a’ chailleach. An uair a thuig i nach fhaigheadh i an t-aiseag, thuirt i, ’s i gabhail a cead de dh’Eoghan: “Dùrachd mo chridhe dhut, a ghaoil Eoghain”. Bha Eoghan air fhaicill, ’s fhreagair e, “Dùrachd do chridhe do’n chloich ghlais ud thall,” agus, a mhic chridhe, bha deagh-thuiteamas seanchais air—sgoilt a’ chlach ’na dà bhloigh! Ma ruigeas mo chothrom air, bheir mi tarraing eile air na Sean-fhocail anns an ath àireamh. FIONN. EXEAT PARLAMAIDEACHD RUIGIDH dàil dorus, agus chan ’eil carraig ann nach caochail sruth—focail fhior is sheasmhach gu leòir. Is searbh, doirbh, da rireadh an t-slighe gu gliocas; ach ged tha i àrd is duilich, is éiginn duinn uile an rathad sin a thriall uair-eigin. Is ann troimh dhuilgheadas is stri a ruigeas araon cinneadh is daoine air [TD 262] gliocas. Diolaidh sinn uile na tha mar fhiachaibh oirnn a thoirt seachad airson olcas is gòraiche àm ar n-òige. Chan ’eil duine no cinneadh ann nach tuit uair no uair-eigin am mearachd; ach an t-eadar-dhealachadh a tha eadar daoine glice agus amadain is e so e, nach do bhuannaich am fear mu dheireadh riamh air lorg na thachair dha. Tha na smuaintean so air an dusgadh ’nar cridhe leis na thachair an Eirinn o chionn beagan mhiosan air ais, nuair a chaidh binn is diteadh a thoirt a mach an aghaidh Bille na Comhairle leis na h-Eirionnaich. Bha an làtha sin ’na làtha dulain do Mhr. Redmond agus a chuid chàirdean. Nochdadh gu soilleir dha nach robh an cumhachd aige idir cho farsaing, cho domhainn agus cho daingean sa bha esan a’ creidsinn; agus nochdadh dha, mar an ceudna, ma dh’fhàsas Eirinn a suas an aois, nach b’ann gun bhuannachd d’a fhéin a tha i gabhail an rathaid a dh’ionnsaidh na siorruidheachd. An so, bha leasan searbh, àrd, air a thoirt seachad do Mhr. Redmond, agus do Eirinn cuideachd. Do Mhr. Redmond airson iomadh reuson nach ruig sinn a leas innseadh aig an àm so: do Eirinn, airson na thachair dhi, agus na tha ri teachd. Oir, tha sgriobhadair araidh ag ràdh gur ann à beul na h-aimsir a ghabh seachad a tha àm ri teachd do ghnàth a’ labhairt. Agus, ciod e an leasan a tha an cur-an-cùl air Bille na Comhairle leis na h-Eirionnaich a’ toirt seachad? Ciod e bhrigh sa chiall a tha aig bonn na cùise so? An e nach robh Gàidheil na h-Eirinn deònach air gabhail ris na chaidh a thairgseadh [TD 263] dhoibh le luchd na Stàide an Sasunn? Theagamh gu’n robh guth de’n t-seòrsa so anns a’ ghnothach; ach cha b’e so uile e. Faodar a ràdh nach robh na h-Eirionnaich idir toilichte leis na chaidh a thairgseadh dhoibh; ach is ann do bhrigh gu’n d’thàinig atharrachadh mòr air cridhe is air inntinn muinntir na h-Eirinn o’n a chaidh dusgadh orra gu’n deachaidh a dhiultadh gu buileach. Thug sinn mar ainm air a’ phaipear so “Exeat Parlamaideachd”; agus le Pàrlamaideachd, tha sinn a’ ciallachadh stri shitheil, shocrach an taobh a staigh de Phàrlamaid aig Shasuinn chum féin-riaghladh fhaotainn. Airson còrr is seachd thar fichead bliadhna, bha buile Eireannach na Pàrliamaide Shasuinn a’ deanamh stri chum stiùradh air an cùisean féin fhaotainn ’nan làmhan féin; agus dh’fhairtlich sin gu buileach orra. Faodar a ràdh gu’m bheil cor is suidheachadh na h-Eirinn mòran na’s miosa a nis na bha e riamh roimh; agus sin a dh’aindheoin gach oirdhirp is innleachd a chaidh a dheanamh leo chum maith is leasachadh na dùthcha. Gu dearbh, is fior àrd is searbh na briathran a tha aig luchd-sgriobhaidh nam paipearan Eireannach nu’n chùis so. Thuirt fear dhiubh a cheann car greis, agus e cur an céill a smuaintean mu thimchioll Mhr. Redmond sa chàirdean:— Fourteen years ago a British Government passed through the British House of Commons a Home Rule Bill. The same Government is again in power. Fourteen years ago it had a majority of only 38—to-day it has a majority of 356—a majority greater than that which forced the Reform Act on the House of Lords, and four times greater than that with which Gladstone forced Disestablishment through the same Assembly. Let no Irishman be humbugged into the belief that the House of Lords can block the way to any [TD 264] British Government in earnest about carrying its Bills. No measure a British Government, possessed of a majority of 100 in the Commons, was really desirous to pass, has ever been successfully resisted by the House of Lords. The British Liberal Party could force Home Rule to-morrow through the British House of Lords as Gladstone forced Disestablishment if it cared to do so. It judges Ireland by the Irish Parliamentary Party, and thinks it safe to despise her. If “the Old House in College Green” remains unopened to an Irish Legislative Assembly, it is because the British Liberal Government wills that it shall remain shut… When the British Parliament adjourns three months hence, Ireland will be as minus the University the Irish Parliamentary Party promised her as she is minus the legislature the same Party has been promising her for twenty-one years past. But, instead, she may have Tweedledum in Dublin Castle in place of Tweedledee—Sir John Bull Smith instead of Sir Antony MacDonnell. For the old game is again afoot, and the scapegoat is led forth to die. “Down with Sir Antony MacDonnell” is the cry raised to divert Irish indignation from the British Ministry. It is Sir Antony MacDonnell, the Irish people are told, who is the culprit. The bowels of the Ministry yearned towards us. The British Premier, the British Chief Secretary, the British Cabinet, and the British Liberal Party, would have played us fair, but Sir Antony MacDonnell interposed. They pined, these honest Englishmen, to give us Home Rule, but they dared not—because one of their officials objected. This is the stuff on which Parliamentarianism seeks to feed the faith of its followers. This is the cry which is to distract the attention of Ireland from the garrotting of Home Rule. It is always Down with somebody in Irish Parliamentarianism. Sixteen years ago it was “Down with Parnell!” Five years later it was “Down with Healy!” Five years more and it was “Down with O’Brien!” Yesterday it was “Down with Plunkett!” To-day it is “Down with MacDonnell!” But never is it “Down with all Governments which refuse Home Rule!” Not once is it “Up with Ireland!” And when Sir Antony MacDonnell is down there will be a new official in Dublin Castle, and in due time Ireland will be called on to cry Down with him. It keeps her from reflecting that it is Dublin Castle that needs to be put down, and is thus of great service to British Government in Ireland, which never has hesitated, and never will hesitate, to humour us by changing its officials, so long as we tolerate it by not forcing it to change its system. Now [TD 265] we submit to our Parliamentarian countrymen that it is time—and that the time is now—to end this political child’s play. They put down Parnell and Healy and O’Brien, and for the past eight years, with the very best intentions they have been trying to put us down, and Mr. Birrell and his bogus Bill is the result. Eighteen months ago, on the eve of the General Election, they refused to listen to us, when week by week we urged them in the columns of The United Irishman, to insist through their leaders on the British Liberals making Home Rule an issue of the election equally with Free Trade and Chinese Labour. A false move on the party chessboard by the British Tories had given the game irrevocably to the British Liberals, and the British nation would have swallowed a bigger dose of Home Rule than it swallowed in 1892 to preserve its food from taxation. Parliamentarian Ireland trusted in Mr. Redmond and Mr. Dillon and Mr. O’Connor, and they in turn trusted in British Liberalism, and the result is exactly as we warned them eighteen months ago it would be—the repudiation of Home Rule by the Liberals once they got safely settled in office with a majority made up largely by the Irish vote in Great Britain. It is not Sir Antony MacDonnell who stands between us and Home Rule. It is the will of the British Liberal Party. (1) A nis, feumaidh sinn aideachadh airson ar cuid féin dheth, nach d’thug Pàrlamaideachd riamh oirnn a chreidsinn gur e an t-aon mheadhon leis am b’urrainn sinn saorsa ar dùthcha féin a chosnadh. Ghabh sinn beachd air a’ chùis air fad, agus thug sinn fainear nach robh dùthaich no cinneadh ann mu’n robh e comasach a ràdh, “Chosnadh a’ mhuinntir so saorsa dhuthchasach dhoibh féin troimh Phàrlamaideachd”. Tha cuid am beachd gur e troimh a’ cheart ni so a thug na Lochluinnich saorsa is neo-eisimeileachd dhoibh féin o cheann ghoirid; ach, is éiginn duinn cuimhneachadh gu’n d’toireadh iad ionnsaidh air na Suainich nan diultadh iadsan umhlachd a thoirt doibh. Bha na Lochluinnich sitheil gu leòir, agus (1) Sinn Féin. [TD 266] làn thoileach gu bhi an càirdeas ri’n coimhearsnaich; ach ged a bha, is cinnteach nach robh iad toileach gu bhi ’nan éismeil na’s mó tuille; agus gu’n d’toireadh iad sàr-ionnsaidh orra nan diultadh iad. Airson so (mar tha fios aig gach neach, oir bha e anns na paipearan uile aig an àm), chan ’eil e comasach a ràdh gu’n d’thug na Lochluinnich saorsa dhoibh féin troimh Phàrlamaideachd a mhàin. Chosnadh iad sin doibh féin le Pàrlamaideach ach le Pàrlamaideachd air a chuideachadh gu mór leis a’ chlaidheamh! Ach, faodaidh sinn sealltuinn air ar n-ais air eachdraidh car tamuill; agus ciod a tha sinn a’ faicinn? An ann troimh Phàrlamaideachd a thug na Duidsich cuing throm nan Spàinnteach thar an guaillean? Cha b’ann gu dearbh, ach le teine is le claidheamh. Na Suisich, an ann troimh Phàrlamaideachd a thug iad buaidh air na h-Austrianaich, gam fuadach a mach as an duthaich, agus gan daingneachadh féin air cùl nam beanntan as nach téid an tilgeadh a mach gu bràth? Ciamar a choisinn na Portachallaich saorsa dhoibh féin ach le treubhantas, agus leis an cuid claidheamh? Ciamar a chaidh leth-shaorsa air na Stàidean Balcanach as làmhan nan Turcach? An robh e air tailleamh na h-iarraidh sochraich sitheil a thug iad seachad, no a chionn is gu’n do chuir iad rompa an duthchannan féin fhaotainn a mach as an cruaidh-chas anns an robh iad an lorg mhi-riaghailt is ain-neast an luchd-fòirneirt? Ciamar a dh’fhuadaich a mach na h-Eadailtich na h-Austrianaich thar nan criochan aca? An ann le Pàrlamaideachd, no le claidheamh? Agus na Turcaich, ciamar a chaidh an ruaig a chur orra nuair a bha iad [TD 267] a’ toirt ionnsaidh air na Gréugaich? An ann le òraid no troimh ghuth taghaidh sam bith air a ghabhail seachad an taobh a staigh de’n Phàrlamaid aca a chosinn iad saorsa dhoibh féin is do dhùthaich an cridhe? Agus, anns an dùthaich so, an Albainn ar gràidh, ged nach robh Pàrliamaid is luchd-buill na Parliamaide ann aig àm cho trath ri sud, gidheadh an robh e air tailleamh irraidh is guidhe, no eadhon a’ cur trioblaid air na Sasunnaich le’n urnaighean is le’n tagraidhean a choisinn Wallace, Bruce, agus iomadh laoch eile an latha, agus a bhuilich iad saorsa air Albainn? Gu dearbh, mur ’eil sinn gu mòr air ar mealladh agus air ar dalladh thaobh eachdraidh, cha b’ann idir mar sin a bha e. Choisinn an fheadhainn so uile saorsa dhoibh féin is d’an dùthaich troimh threubhantas is fhoghainnteachd is féin-thabhartas. Phàidh iad air a shon le’m beatha is le’m maoin; agus gràdh na’s mò na sin chan ’eil aig duine sàm bith. Ach, theagamh gu’m bheil cuid ann a tha ag ràdh. “Faodaidh sin uile bhi mar a tha sibh cantuinn; ach, thachair na tha sibh ag innseadh dhuinn o chionn iomadh bliadhna air ais. Chan ’eil duine no sluagh a’ deanamh stri mar sin a nis. Is ann troimh Phàrlamaideachd a tha daoine an latha an diugh la’ toirt oidhirp chum bogadh nan gad.” Ach, an e mar sin a tha e da rireadh aig an àm so? Cait am bheil Pàrlamaideachd air a steidheachadh? Co iad na daoine a tha cur an earbsa air Pàrlamaideachd? An sluagh a tha tighinn air an adhart mar so, feuchaibh iad ruinn. Theagamh, cuideachd, gu’m bheil iadsan a tha [TD 268] labhairt mar so toirt bràth air na h-Eiphitich, no air na h-Indanaich mar dhream aig am bheil earbsa ri Pàrlamaideachd mar inneal chum saorsa dhùthchasach fhaotainn uair-eigin. Anns a’ chiad àite, chan ’eil Pàrlamaid idir aig a’ mhuinntir so, agus ged a bha is cinnteach nach gabhadh iad rithe mar an t-aon mheadhon a mhàin a bh’aca. Chleachdadh iad i, gun teagamh, le dòchas feum is cuideachadh maith, buileach, a tharruing aisde; ach cha di-chuimhneachadh iad gur e an claidheamh a tha mòran na’s cumhachdaiche na an guth. Is fior nach ’eil na h-Indanaich mithich gu éiridh; ach am faod sinn amharus a leigeil a staigh d’ar beachd nach deanadh iad “ceannairc” an aghaidh nan Sasunnach nan robh an comas aca? Tha spiorad feargach, colgach, neo-shitheil am measg an t-sluaigh ud, agus is anabarrach bagraideach iad. Thug na paipearan Sasunnach mòran iomraidh is eisimpleirean air an spiorad eaglach neo-shitheil so, agus sin le daoine aig am bheil sar-fhios mu thimchioll cridhe is inntinn muinntir nan dùthchannan ud. Chi sinn gu soilleir leis na sgriobhaidhean so, agus leis na tha na h-Indanaich is na h-Eiphitich féin a’ deanamh is a’ cantuinn nach e na toil, ach am meadhon, a tha dhith orra an drasda. Dh’éireadh iad am maireach an aghaidh nan Sasunnach nan robh an comas aca. Chan e an gràdh do na Sasunnaich ach eagal roimh an cuid arm a tha gan cumail fodha an drasda! Faodaidh e bhi, gidheadh, gur e na Polanaich a tha cumail an taice ri Pàrlamaideachd mar inneal chum bogadh nan gad. Chan ’eil Parlamaid aca nam measg féin; ach chaidh cuid dhiubh so a ghairm sa chur a dh’ionnsaidh na Duma, agus gu Pàrlamaid [TD 269] nan Austranach anns an “Iompaireachd Dhubhailte”. Se so fior Phàrlamaideachd mu dheireadh, ma dh’ fhaoidte; ach mur eil sinn dol am mearachd ’nar beachd, chaidh an “taghadh” is an cur ann chan ann d’an deòin ach a dh’aindeoin. Tha a’ chuid a’s mò de’n t-sluaigh ud de’n bharail nach bi saorsa no socrach aca gus am fuadaich iad a mach as an dùthaich na h-Austranaich comhla ri na Rùsianaich; agus ciamar a bhios sin ach le feart is éigneachadh? Is cinnteach nach dean Pàrlamaideachd an gnothach, ged a bhiodh i a’ bualadh an athair gu siorruidh. Am bitheantas, cha chleachdadh le duine a bhi mion-bheachdachadh air na nithean sin a chaidh a thairgseadh dhoibh airson an creidsinn; ach gur i Pàrlamaideachd an t-slighe dhireach gu faoineachd is neo-chomas, chi sinn gu soilleir leis na tha duine ainmeil Indanach d’am ainm Chandra Pal a’ cantuinn mu’n ghnothach so. If we have really self-government within the Empire, if we have the rights of freedom of the Empire as Australia has, as Canada has, as England has herself to-day—if we, the 300 millions of people, have that freedom of the Empire, the Empire would cease to be the English. It would be the Indian Empire, and the alliance between England and India would be absolutely an unequal alliance… And if the day comes when England will be reduced absolutely to the alternative of having us an absolutely independent people or a co-partner with her in the Empire, she would prefer to have us like the Japanese, an ally, and no longer a co-partner, because we are bound to be the predominant partner in this Imperial firm. (1) Tha so uile fior, agus airson ar cuid féin dheth, chan ’eil rinn a’ tuigsinn ciamar is urrainn an comh- (1) Times. [TD 270] dhùnadh a rinn Chandra Pal anns an òraid a thug e seachad a sheachnadh. Chan ’eil sinn a’ creidsinn gur e beachd is toil nan Sasunnach saorsa sam bith a thoirt seachad do chinneadh air bith a tha ga iarraidh a nis. Faodaidh sinn a ràdh a ris, mata, nach ’eil sinn a’ cur taice sam bith am Pàrlamaideachd mar inneal chum fior shaorsa dhuthachasach fhaotainn; ach nan tigeadh soirbheachadh leis anns a’ mhodh sin is soilleir gu’m biodh e an sin mar fhiachaibh oirnn suidheachadh an taobh a staigh na h-Iompaireachd Sasunnaich a ghabhail am feasd. Am briathraibh eile, ged a thigeadh saorsa leth-chasach oirnn troimh Phàrlamaideachd, bhiodh sinn fathast fo chuing nan Sasunnach. Bhiodh ar rian duthachasach is ar deadh-bheus fathast an eismeil nan Sasunnach. Na bitheamaid dall is faoin-bheachdach nu’n ni so; ach, air an làimh eile, seallamaid air a h-uile ni ceart mar a tha e: chan ann mar bu mhaith leinn e a bhi. Tha an Iompaireachd aig na Sasunnaich, agus is ann aca-san a mhàin, a tha, mar an ceudna, an t-ainm, an cumhachd, a’ ghlòir, is an stiùradh aice. Is ann a chionn gu’n d’thug na h-Indanaich, agus cinneadh eile a tha an eismeil nan Sasunnach sar-bheachd air sin nach ’eil iad toileach gu bhi daonnan am bad na h-Iompaireachd. Tha rian duthachasach is deadh-bheus sònraichte cheana, agus tha an duil aca àite freagarrach a chosnadh air an son anns na bliadhnaichean a tha ri teachd. Tha fhios aca nach ’eil e comasach a bhi air cuairt-shruth gun bhathadh, no gun a bhi toirt orra chum dol as. Tha rian duthachasach is deadh-bheus sònraichte againne mar an ceudna: am bi sinn na’s seasmhaich, na’s [TD 271] duineil agus na’s tuigsiche ann a bhi gan cumail suas agus gan toirt air adhart na tha iadsan? Is ann do bhrigh gu’m bheil sinn a’ sealltuinn air diultadh is diteadh Bille na Comhairle mar chomharrachadh ùr mòr air an t-slighe gu saorsa gu’n d’thug sinn faothachadh as a sin aig an àm, agus gu’m bheil sinn ga mholadh a nis. Tha spiorad ùr, dàna, durachdach, gaisgeil, ag éiridh am measg nan Gàidheal—spiorad na foghainnteachd comhla ri gliocas. Exeat Pàrlamaideachd; ach leagamaid uile féin-riaghladh ceart, agus duinealas a staigh ’na h-àite. ORAN A’ CHREIDIMH [Fhuair sinn an dàn a leanas, comhla ri litir, o’n Athair Mac Adhaimh, Sidnidh, C.B., Canada. Anns an litir a sgriobh an t-Athair Mac Adhaimh chugainn, tha e ag ràdh, “in the autumn number of Guth na Bliadhna, 1905, Mr. Alexander MacRae, of New Zealand, asked for a song of which he gave a stanza. I have been hearing snatches of this song all my life; but it was only the other day I met a lady, a Mrs. MacLeod, who claimed that she knew the whole of it. I send it to you as I got it from her.” Rinneadh an dàn so le Iain Mac Dhonnachaidh Mhic Cailein, Bail a’ Mhanaich, Uidhist. Chaidh Iain Mac Dhonnachaidh air imrich gu Australia.] [TD 272] Thoir mo shoraidh le dùrachd, a dh’ard nan struthan ud thall; A dh’ionns’ na cruinneige cubhraidh, gu’m b’e mo rùn a bhi’d chainnt. Ged nach ’eil mi ga d’ruighinn, cha’n ’eil mi riut ann am foill; ’S mar am bitheadh an creideamh, gu’m biodh gun teagamh oirnn bann. ’S truagh nach mise ’bha Ronaig, gun duine comhla ruinn ann; ’S mi nach caitheadh ort foirneart, ach comhradh us cainnt. Gheibhinn cadal ’sa fhraoch leat, ged bhiodh an t-aodach oirnn gann, ’S bhiodh do chuailein trom, daite, na chuaich ’se paisgte fod’ cheann. Dh’eirich ise ’na seasamh, ’sa leabhar-teagaisg ’na làimh; A righ! ’sann ormsa bu bheag siod, ’s piob a’ spreadhadh ceòl-danns’; ’G òl deoch-slàinte mo leannain, ’si cuir thairis’nam làimh, ’S cha bu léir dhomh ach tualas, leis an t-suain a bha’m cheann. Tha mise creidsinn a’ Phapa, cha’n fhaod mi aicheadh nach ann, O’n ’se dh’ordaich an t-àrd-Righ, ’sa dh’fhàg ar Slànaigheir ann; Cha’n iad na h-eaglaisean ùire, gur e Luther an ceann, A chaoidh cha dean mise lubadh, ach a rùin! thig an nall. [TD 273] Gu bheil Eaglais a’ Phàpa, mar a bha i o thùs, Gun lub, gun charadh, gun fhiaradh, o linn Chriosda nan dul; ’Si air a steidheadh air carraig, nach téid am mearachd co-dhiù; ’Sibhs’ mar dhaoine air ur dalladh, a’ stri ri fallas gun tur. Cha’n ioghnadh ise ’bhi teisteil, ’seach aon eaglais a bh’ann, Chaidh a steidheadh air Peadar, air a’ chreig a bha teann; ’Si gun bhristeadh, gun fhiaradh, o linn Chriosda, ’se ’ceann. A h-uile dream a dh-fhalbh uaithe, mar chaoraich fhuadain air chall. ’S iad na h-eaglaisean saora, a thog na daoine le leòm, Chuir ceann-sios air ar sinnsreadh, na chaidh do’n chill, ’s na bheil beò; Gun do cheann orr’ ach Luther, ’s nach fhiach a chumhnantan gròd; ’S mairg a leanadh a chùrsa, ’s e fhéin air tionndadh o’n chòir. Ma thig ministeir stàiteil, a staigh air bàta do’n tir, Falbhaidh sibhse ’nur pàirtidh, a dh’éisdeachd rabhdal gun bhrigh; Thig a lag-chùis mo thruaighe! le neòil ’gur bualadh, ’s le spàirn; Bi’dh sibh sabhailt’ an uair sin, mar chreidear Ruairidh ’san àird [TD 274] Ma bhios fear agaibh bliadhna, gheibh e mi-mhodh gu leòir, A’ falbh o chomunn gu comunn, gu ruig e tigh Dhomhnuill òig; Biodh e maireach sa mhuillean, mar ghille-turais gun dòigh, ’S cha’n éisdear focal do dh’Uisdean, a fhuair an t-ionnsachadh còir. ’S iad an creideamh tha neònach, cha’n ’eil e cordadh rium fhin, Mac ’s an t-athair ’bhi ’g iadadh, ’san teagasg Chriosdaidh ’gan dith Iad mar long air a fuadach, air druim a’ chuain ’s i gun stiùir; ’S i gun duil ri tigh’nn dachaidh, a chaoidh gu cala gun leòn. FORMER GAELIC MOVEMENTS III. [Beurla] [TD 275-285] [Beurla] [TD 286] [Beurla] TAIGH NA CROISE-SHLIGHE MU ceithir fichead bliadhna air ais, nuair nach robh an Ceap Breatuinn ach fior bheagan sluaigh, rinneadh am mort a chumadh an cleith ré dà fhichead bliadhna. Is e so a’ cheud uair a chaidh mion-chunntas uime a chur an clò. Anns na làithean ud, mar a nis, chaidh na h-òighfhir gu tir chéin a’ sireadh cosnaidh. B’e Pictou an t-àite a b’fhaisge ann am faigheadh iad obair bhuannachdail. Chaidh iad a dh’obair do na méinean guail. A’ fàgail an dachaidh san Earrach thilleadh aig deireadh an Fhoghair iad. B’ann air a shlighe dhachaidh an déigh a bhi ag obair am méin-ghuail am Pictou fad an t-samhraidh a chaidh aon dhiubh so air an robh Dòmhnull Dòmhnullach oigfhear mu choig bliadhna fichead a dh’aois air ionndrainn, agus bha a [TD 287] chia-mu-thimchioll ’na dhiomhaireach còrr is dà fhichead bliadhna. Chaidh an diomheachadh fhoillseachadh le seann bhoireannach air leabaidh a bàis. Cha robh a h-aon an làthair de’n fheadhainn a ghabh pàirt anns a’ bhròn-chluich; agus cha robh cuimhne aig neach air mar chaidh an t-òganach as an t-sealladh ach aig na fior sheann daoine. Chan ’eil ach beagan—fior bheagan—de’n t-sluagh a tha an diugh beò aig am bheil cuimhne air ceart àite na Croise-shlighe; agus chan ’eil mi dol a ràdh an so c’àit an robh i, oir oirre-san a nis tha caochladh ainm. Aig an t-seann Chrois-Shlighe aig an àm bha taigh-chrann—taigh-logaichean—mar a theireadh iad ris, far an robh seòrsa de thaigh-àsranaich de’n robh na h-iomadh aig an àm air feadh an àite. Nuair a thigeadh an oidhche no an doineann air luchd-siùbhail, ghabhadh iad fasgadh anns an taigh-àsranaich a b’fhaisge dhoibh. Bha seomar air a chur air leith airson a’ choigrich, far am faigheadh e fasgadh feadh na h-oidhche, agus anns a’ mhaduinn bhìodh oisinn air a chur air leith dha. Bha an taigh-ósda aig an t-seann Chrois-Shlighe air a chumail le fear, Cailein Crowther. Bha e ’na sheann duine—fògarach bho thir a bhreith—aig an robh triuir ghillean, is iad cho mòr sa bhitheadh iad. Bha an taigh air a roinn ’na thri earrannan—seomar còmhnuidh agus dà sheomar leapach, aon airson na seann chàraid, agus an t-aon eile airson a’choigrich. Bha choille mhór ceud-aimsireil fathast mu thimchioll na Croise-Shlighe far an do sheas i fad linntean gun chunntas. Bha e ’na àite uaigneach, [TD 288] miltean bho’n nàbaidh a b’fhaisge dha. Cha b’aithne do neach Cailein Crowthar is a theaghlach, ach an luchd-siùbhail a dh’fheumaidh an oidhche chur seachad aige. Cha robh iomradh ro mhaith mu na Crowtharan. Dh’innis an fheadhainn a chaith an oidhche comhla riutha a dh’aindheoin mu’n cuid fial, agus chrath iad an cinn. Bha brigh anns a’ chrathadh. Chaidh luchd-siùbhail an rathad ud, an duil tilleadh a ris, ach cha do thill iad riamh. Cha d’thàinig tuille an ceannaiche falbhan a bha mar phosta miosail do’n aiteachas, agus chaidh meur an amharuis a shineadh a mach rathad na Croise-Shlighe. B’ann anmoch san Dudlachd, Mios na Nollaig, mar a their na h-Eirionnaich, a shir an Dòmhnullach òg fasgadh na h-oidhche an taigh Chrowthar; ach an so, feumaidh mi leigeil leas an t-seann bhoirionnach an sgeul innseadh air mar a thachair. A’ gairm te d’a nigheanan a dh’ionnsaidh a leapa thuirt e: “Tha mi dol a dh’innseadh dhut rud a chum mi rium fhéin fad mòran bhliadhnaichean. Bheir e furtachd do’m choguis, agus cha bhi mi fo throm-inntinn nuair a thig am bàs. Bho chionn dà fhichead bliadhna, is mi direach air pòsadh, bha mi air mo slighe bho’m sheann dachaidh, nuair a thàinig stoirm orm, agus stad mi aig taigh Chailein Chrowthar san oidhche. Cha do chord coltas an àite rium, agus chuir fiamh nan organach nach do chord rium luasgan orm. An déigh dhuinn ar suipeir a ghabhail—cha robh iad idir glé fhiallaidh—chualas gnog aig an dorus. Dh’fhosgladh an dorus, is thàinig òganach a staigh. Dh’fhoighnich e an Gàidhlig bhlasda am faigheadh e cuid na h-oidhche an sin oir bha i stoirmeil [TD 289] agus bha esan ’na choigreach san dùthaich sin. Thug an seann duine cuireadh dha suidhe faisg air an teine. Mhion-bheachdaich na mic air an aoidh, agus dh’iomlaidich iad grad-sheallaidh. Thug mi an aire gu’n do dh’fhàs an t-òganach car amharusach. Dh’innis e dhuinn gu’m b’e ainm Dòmhnull Dòmhnullach; agus gu’n robh e air a shlighe gu dhachaidh an taobh-an-ear an Eilein. Bha e anns na mèinean guail am Pictou fad an t-Samhraidh. Bhiodh e coltach gu leòir gu’m biodh airgiod aige air a phearsa, agus bha airgiod gann anns na làithean ud. Thug iad dhomhsa an seomar a bha air a chur air leith air son an fhir-suibhail, agus chaidh leaba dheanamh air an ùrlar do’n òganach. Cha robh bùird na talainte glé dhlù ri chéile, agus chithinnsa roimh ’n sgàine na bha dol air adhart san t-seomar chòmhnuidh. Chluinninn na mic a’ bruidhinn eatorra fhéin fada an déigh dhoibh a dhol a laighe air an lobhta. Bha samhchair ann car ùine, sa sin chuala mi iad a’ gluasad. Cha b’urrainn mi norra cadail fhaighinn an oidhche ud. Bha roimh-earalachadh agam gu’n robh rud uamhasach dol a thachairt. Chuimhnich mi air gach sgeul a chuala mi mu iomadh neach a chaidh sios an taobh ud, is nach do thill riamh. Chuireadh gach oiteag gaoithe crith ’am fheòil. Chithinn na h-aithinnean is na h-éibhleagan beò air an teinntean. Chluinninn an t-òigfhear gu trom a’ tarraing ’analach. B’e sud an cadal seamh! Gu seamhach, bha e ’na chadal, gun dad de dh’fhios aige air na droch spioraid a bha san àileadh mu’n cuairt da, a’ sireadh cur as da. Gu neo-fhuaimneach, shnàig na fir a nuas am [TD 290] fàradh. Bha mi ’nam leith-shuidhe air an leaba. Bha mi an dùil nach deanadh iad dad ris ach a spuilleadh. Am feuchadh iad ris a’ bheagan a bha agamsa a thoirt bhuam? Chunnaic mi iad a’ dol tarsuinn an t-ùrlar is air ais is air adhart ùair no dhà. Chuala mi an sin buille mharbhanta, ròmhan achdach, agus an sin, buille eile. Mo Dhia! An ann a mhort iad an Dhòmhnullach bochd? Bha an gnothach thairish an ùine bheag. Chunnaic mi iad a’ suaimadh a chuirp am plaide, ga tharruing troimh an doras, agus a mach do’n oidhche. Gu h-ealamh, dh’fhairich mi mi fhéin gun fiamh no eagal. Thionndaidh mi a dh’amharc air an leabaidh fhalamh air an ùrlar. Bha i troimh-chéile, agus i oillteil le fuil! Bha stiall de sgarlaid air an ùrlar, bho’n leabaidh thun an doruis. O! Anna, is tric a chunnaic mi an snathain ud de dh’fhuil an òganaich bhochd a bha, a nis, marbh. Riamh gus an làtha an diugh, cha d’fhàg oillt na h-oidhche ud mo chridhe. Dh’fhalbh mi gu cabhagach. Bha an sneachda domhain, is an cathadh fiadhaich. Bha an rathad cumhann, is na cuitheachan sneachda fada is domhain; ach chuir mi an t-astar as mo dhéidh gu luath; ach is gann gun robh fios agam gu dé an taobh a bha mi dol. An dràsd sa rithist, stadainn a dh’éisdeachd. Bha eagal orm gu’n d’thigeadh iad as mo dhéidh cho luath sa thilleadh dhachaidh sa dh’ionndrainneadh iad mi. Cha deachaidh mi fada nuair a shaoil leam gu’n cuala mi rudeigin a’ tighinn. Gu grad, leum mi am measg nam preas, agus chùm mi m’anail. Bha an cathadh air mo lorgan fhalach, agus bha mi direach gu tighinn a dh’ionnsaidh an rathaid, nuair a chaidh an dà ghille [TD 291] seachad, ach gu fortanach dhomhsa chan fhac iad mi. Chaidh na fhaide staigh do’n choille, agus an ceann beagan ùine, chuala mi iad a’ tilleadh. Bha iad a’ coiseachd gu cabhachachd. Nuair a thill iad, thàinig mi as a choille, agus chaidh mi air m’adhart, mar a b’fheàr a b’urrainn mi anns an t-sneachda dhomhain. Ràinig mi mo dhachaidh tràth sa mhadainn, agus bha mi glé thinn fad mòran mhiosan ’na dhéigh sin. Cha b’urrainn gu’n do chuala mi iad nuair a shaoil leam gu’n do chuala. Bha mi air mo shabhaladh leis an Fhreasdal chaomh, bheannaichte. Goirid an déigh a’mhort so, chaochail Crowthar is a bhean. Bha cuid ag ràdh gu’n deachaidh an réis a ghiorrachadh le fear de na mic airson airgiod fhaighinn a bha aig dithis eatorra. Thathar ag ràdh nach deachaidh neach thun an tiodhlacaidh, agus, gu’n deachaidh an cur fo’n talamh an gleann uaigneach faisg air an taigh. Chaidh an dithis mhac air falbh. Chaidh aon fhear dhiubh a mhort am méin; agus bhàthadh am fear eile sa chuan mhòr. Bha an là anns an deachaidh am fear so a bhàthadh féitheil, agus nuair a thuit e bho’n t-slait-shiùil, chaidh e fodha, is cha d’éirich e. Phòs an treas mac, ach cha robh a bhean riamh sona maille ris. An eu-dòchas, thug i bàs neo-thràthail oirre féin. Thòisich a companach air ól, air dhà an t-àite fhagail, agus ’na dhrongair uamhasach, dh’fhàg e an saoghal so am mearan. Bha dithis chloinne aca. Tha e aìr a ràdh gu’n do chaochail a h-aon am bliadhnaichean na h-òige bho bhuille o’n athair, is e air mhisg, agus thuit an t-aon eile bho sgòr, agus fhuair e bàs obann. Leis-san thàinig sliochd Chrowthar gu crich. Tha e air a [TD 292] radh gu’n deachaidh an seann duine chur air fògradh à Eirinn, a chionn gu’n robh amharas gu’n do mharbh e fear agus bean ’na thaigh-òsda air dhoìbh a bhi gabhail na slighe far an robh e fuireach. AM. B.A. DAN LIUIR GLEUS F. 1. La chaidh Fionn do thigh Liùir Le aon fhichead deug fear gu fìor; ’S bu cheannard tri naonar fear feachd An t-aon fhear bu tàire dhuinn. 2. Shuidh bean Liùir air gualainn Fhìnn; Shuidh Fionn air leth-ghualainn Liùir; Shuidh Rígh Arta làmh ri Aodh, Làmh ri Aodh a b’aobhach gnùis. [TD 293] 3. Shuidh Conachar is Cormag cruinn Làmh ri Aodh a b’àille bian; ’S sin a rìs am mach; Is luigh gach neach bh’ann air biadh. 4. Bha cruitean ’gan seinn ’san teach ’S dàin ’gan gabhail gu ceart còir; Bha bogha druinneis air gach clàr A’ deanamh gairdeachas is ceòl. 5. Mar sin dhuinne caitheamh tim, ’S gu’m bu bhinn leam féin ar dòigh; Gun easbhuidh air mil no air fion, No air fìdhleireachd is ceòl. 6. Mar sin gu là roimh ’n dàil Gu subhach, àbhachdach, gun bhròn; Gus an d’ thàinig mòr-shluagh Ghuill ’Nar fradharc air tuinn d’ar còir. 7. ’S ann an sin a labhair Fionn: “Chì mi nì is an-ait leam: Chì mi thall ud cabhlach Ghuill Seòladh a null gu Driom-feann”. 8. “Is chì mi bhratach gu h-àrd Air ghathaibh chrann thar Dhriom-bhagh; ’S a chomraic ud os mo cheann: Nach robh sinn ann Coimhlion sleagh.” 9. Comhairle Chormaic nam buadh; Comhairle chruaidh dhuinn, gu beachd: Gach neach tha sibh eòlach gu gniòmh, Diongaibh sibh trì air an fhear. [TD 294] 10. ’S ann an sin a labhair Liùr: “Tha comain agam air Goll; ’S ma’s cuimhne leis an fhear, Bu ro-airidh mi air fonn”. 11. Sin ghluais Liùr an còmhdhail Ghuill, Triùir air eachaibh is e féin; Is bheannaich e gu binn dhò— Mòr an nochd-sa glòir mo sgéil. 12. “Gu’m beannaich an t-àgh thu, Ghuill, Fhir is fèàrr a ta fo’n ghréin; Fhir is fearr comain is còir, ’S fearr thu gu mòr na mi fhéin.” 13. “An cuimhne leat là an eich bhric; Air Fraochan os cionn Tom-cliar? Thug mise dhuit an t-each glas Bheireadh tu gu bras do’n t-sliabh.” 14. “O’n rinn thusa sin, a Liùir, Fhir is fhéilidh tha fo’n ghréin; Ma tha t’ athchuinge a bhos, Eirich, agus gheibh gu réidh.” 15. “Aoidh do bha’m thigh an ràoir, Fionn Mac Cumhail, taobh mar thuinn; Thu d’a leigeil slàn thar sliabh O’n tharladh mo bhiadh ’na bhroinn.” 16. “Imichibh-sa air ar n-ais, A shluagh bras o Innis-freòin; ’S mar ghabh-sa an t-anam ’nar corp, Na briseadh focal mo bheòil.” [TD 295] 17. Ghluais sinn uile do thigh Liùir, Is fhuair sinn ann mil is fion; Ged tha e’n diugh ’na fhasach fuar, Bha e uair a b’àros rìgh. 18. Do chunnaic mise tigh Liùir, ’S bu liònmhor ann mil is fion; ’S chunnaic mi ’na dhéigh sin Liùir ’s a bhean fhial fo dhith. 19. ’S chunnaic mi ’na dhéigh sin Gun spéis dha aig fear no mnaoi, Ag imeachd o thigh gu tigh Dh’fheuch cia ’n tigh a b’fhèarr dha mhaoin. 20. Latha bha Fionn a’ sealg Le Fhéinn chalma aig Beinn Lùir, Có chunnaic fad o laimh Ach an t-àrd-righ d’am b’ainm Liùr. 21. Dh’imich gu grad ’na dhàil, Le gean agus gràdh is subh; ’S cha do leig e neach leis de chàch Chum ’s nach cuirteadh nàir air Liùr. 22. “’S e do bheatha féin, a Liùir, Fhir a’ chomain ghasda, ghrinn; Fhuair mi mòran de d’chuid, ’S cha d’iarr thu dad d’a chiònn.” 23. “Thug thu dhomh, ’s tu d’shuidh ag òl, Aon fhichead deug bò le ’n laoidh; Is baothan an cois gach bò, Air fraoch os ceann Driom-caol.” [TD 296] 24. “Thug thu dhomh naoi fichead each Gu m’ iomchar a càs claoidh; ’S aon fhichead deug long fo’m beairt, Gu m’ thoirt gu tràigh steach thar tuinn.” 25. “Thug thu sin dhomh gun bhréig Gun euradh gu féilidh còir; Gun luach no dìoladh d’a cheann, Thir is céillidh cainnt is glòir.” 26. “Cha mhise féin a nis Liùir,” Ars am fear bu mhòr iochd; “B’fhèarr leam bàs fhulang a’m theach No gu’n gabhteadh mi ’na riochd.” 27. “Gu deimhinn, ’s tu féin a nis Liùr,” Ars am fear a b’àille bian; ’S air an aobhar sin gheibh thu féin Comh-dhìoladh d’ a réir gu fial.” 28. “Bheir mi dhuit bò air a’ bhò; Bheir mi dhuit each air an each; Bheir mi dhuit long air an luing, Gu d’thabhairt gu tràigh thar tuinn a steach. 29. “Fuasglaidh mi dhuit t’fhearann saor O gach aon làn-laoch d’am bheil; Ni mi thu ’nad thoiceach làn, ’S cuiridh mi thu slàn gu d’theach.” 30. Choimhlion mo righ gach ni sin dhà, Trath chaith iad sè làith a’ cluich; Am fionntrainn dh’éidich e mar-aon A’ bhean ’s an lasch bu mhòr cur. [TD 297] 31. Chuireadh ceud calma g’a dhìon, Gus an tir an d’fhuair e iùl; B’éibhinn, aighearach, an Fhiann A’ triall leis an triath g’a mhùr. 32. Sin agaibh iomlaid an dà rìgh, Mar dh’ìoc iad coibhneas da chéil; Bu sheirceil, caomhanach, còir, Gun an-iochd no go am beus. 33. Mile beannachd dhuit gach ré, Oisein fhéilidh ’s binne glòir, Air son an sgeoil cho maith blagh ’S a dh’aithris thu dhomh ri m’bheò. This Fenic ballad is from a collection of Ossianic ballads made by Kennedy, schoolmaster, Kilbrandon, Argyle, 1774, published in Leabhar na Féinne by S. F. Campbell of Islay. The music is from Bev. Patrick MacDonald’s collection of Highland airs made about the same time as Kennedy’s collection of ballads and published considerably later. The Liùr who is the subject of the ballad, is the Lìr of an Irish tale and the King Lear of Shakespeare: a king who came to beggary in his latter days. Dr. John Smith, who published in 1787 “Sean Dana,” Gaelic poems purporting to be the originals of translations which appeared in his book called Gaelic Antiquities, introduces into a poem called “Conn” a lay which is named “Dan Liughair”. Smith’s poem is Macphersonic in style; but a few verses of the preceding ballad are made to serve as [TD 298] part of the composition, without much alteration on them from what they appear here. In Smith’s book these verses are as follows; and they may be compared with the preceding text from verse 21 to 27. ’S e Liughar a t’ann le chu glas, Arsa Fionn, ’s e grad-dhol na dhàil, Ach cha do leig leis neach do chàch, A chum ’s nach cuirte nair’ aìr Liur. A Thriath Mhor-àluin ’s ait leam fein A charaid threin, gu bheil thu beo. Thug thu dhomh nuair bha mi òg, Cuig fichead bò le’n cuid laogh, Is baoghan an cois gach bò, Air an raon oscionn Drim-cadh. Thug thu dhomh fichead each Do m’iomchar as gach càs-claoi; Thug, is cuig bàrcai fo ’m beairt Do m’thoirt gu traigh as gach tuinn. Thug thu sin dhomhsa gun bhreug, Gun eura, gu féilidh coir, Is gheibh thu nis diola ga chionn Fhir is ceilli cainnt is gloir. Cha mhise fhéin a nis Liughar Ars an sean ’ar bu mhor iochd, B’fhearr leam bàs fhaotainn gun teach, Na gu gabhta mi na riochd. Gu deimhin is tu Liughar fein ’S thig seachduin gu feisd Fhinn; Theid seachd laoich an sin leat dhachaidh Gun fharran an imeachd do cheum. In footnotes, Smith quotes the first and last verses of the ballad as follows:— [TD 299] “To the most common editions of Dan Liughair” says he, “is prefixed the following stanza, which probably introduced some episode respecting Lugar in another poem:— La gan deachai Fionn do thigh Leir Bu lion’ ar ann céir agus fion; Ge d’ tha e’n diugh na aibhist fhuair Bha e uair a b’aros righ. “At the end of Dan Liughair is generally repeated the following stanza, supposed to have been the approbation given it by some Culdee or ‘Son of the Rock’ to whom it was first addressed:— Mile beannachd dhuit gach rè, Oisein fheilidh is binne gloir; Arson aon sgeoil co maith blagh ’S a dh’airis thu riabh ri d’bheo.” The other parts of Smith’s poem bear no resemblance to a ballad, are unsingable, and contain thoughts that are foreign to ballads and only to be found in the Macphersonic poems. Smith knew the ballad of Liùr, at least from the twentieth verse, and he has founded his poem on that part of it, making no reference to the part preceding the twentieth verse, beyond what is in the first footnote. It is morally certain that the poems were practically his own composition, notwithstanding that he says in the preface to “Sean Dana” that they were, for the most part, taken down from oral recitation. In this he was following Macpherson’s example; and it is plain—to put it mildly—that neither of them were imbued with the scientific spirit. It is surprising that any intelligent person, who has studied but [TD 300] slightly Macpherson’s and Smith’s alleged Ossianic poems, should retain faith in either of them. C. M. P. LITRICHEAN JARDINS OUVRIERS LE’R CEAD, Am bitheantas, tha sinn a’ cluinntinn mu’n stri làidir a tha daoine a’ deanamh airson beatha na Gàidhlig a neartachadh sa Ghàidhealtachd, agus chan ’eil duine beò a tha na’s déigheil air soirbheachadh fhaicinn air cùisean na Gàidhlig na mi fhéin; ach ciamar a bhios daoine ann a bhruidhneas a’ Ghàidhlig fhad sa tha’n dùthaich ’na fàsach fo chaoraich is féidh? Ar leam, chan ’eil ni a’s feumaile do na Gàidheil an dràsda na cothrom beagan talamh fhaotainn uair sam bith tha feum aca air, agus obair leis an cosnadh iad uiread sa chumas iad beò aig an taigh. Tha mòran miotailtean san talamh sa Ghàidhealtachd, agus rachadh méinean guail agus iaruinn fhosgladh le glé bheag de dragh no cosdais do’n chuid a’s mò de na h-uachdrain. Bha iad ann roimh so—anns na làithean a dh’aom—mar a tha seann eachdraidh ag innseadh dhuinn: carson, mata, nach biodh air an [TD 301] làtha an duigh? Nan rachadh an dà obair so a chur air dòigh, bhitheadh fada tuille airgiod tighinn do’n Ghàidhealtachd; agus nan cuireadh daoine rompa na sean dhòighean a bh’aca a leig air falbh agus dòighean ùra freagarrach, a ghabhail nan àite, chan eil teagamh nach biodh toiseachadh againn air na seòid a chur air ais an Tir-nam-Beann. A thaobh an ni a chaidh ainmeachadh mu dheireadh leam, bha mi leughadh a chionn car greis air aon de na mhiosachan a bh’aca an Lunnainn—am Month,—mu innleachd ùr a chaidh a chur air bonn anns an Fhraing airson cor nan daoine bochda a chur am feabhas, agus an leasachadh, gun bhi gairm cuideachd is buinntinn na Stàide ri sin. Theagamh gur e ni an so ris am bu chòir gu’n d’thug sinn oidheirp chum a stéidheachadh anns an dùthaich againn féin. Coma co-dhiù, tha mi cinnteach nach bi an iomradh a leanas gun stuth, gun bhrigh aig mòran de ur luchd-leughaidh aig an àm so; agus gu’m bi e mar sin, agus a bharrachd, is e so sàr dhùrachd mo chridhe. Mise agaibh, C. F. LUNNAIN, 10 là de’n Iuchar, 1907. [Beurla] [TD 302-308] [Beurla] [TD 309] Guth na Bliadhna LEABHAR IV.] AM FOGHAR, 1907. [AIREAMH 4 TAIGH NAM MORAIREAN MU dheireadh, chaidh binn ditidh a mach an aghaidh Taigh nam Morairean an Sasunn agus, a réir coltais, cha bhi e fada gus am bi atharrachadh mòr is farsaing air a thoirt a staigh ann. Tha sluagh Shasuinn air fàs anabarrach sgith de’n obair ud, oir chunnaic iad mu dheireadh nach comasach dhoibh fhéin no d’an luchd-treòrachaidh iomadh athleasachadh feumal is éiginneach a thoirt gu buil cho fad sa bhitheas làmh-an-uachdair aig na Morairean. Ged nach biodh an obair sin tur freagarrach do na Gàidheil (a chionn gur ann do Shasunn a mhàin a tha Taigh Nam Morairean a’ buntainn), gidheadh is cinnteach nach bi sluagh na dùthcha so fada air an ais ann a bhi deanamh cuideachaidh do na Sasunnaich cho fad sa bhitheas iad a’ deanamh stri chum Taigh Nam Morairean a thilgeadh bun os cionn. Chaidh Bill an Fhearainn a dhiùltadh leotha o chionn goirid, agus tha iomadh aobhar eile againn air son nach biodh sinn féin idir toilichte leis. Anns a’ cheud àite, is ann aig na Morairean Sasunnach a tha an dràsda “am focal deireannach,” mar a theirteadh ris, a thaobh gach Bille a [TD 310] chaidh a thoirt a staigh do’n Phàrlamaid Shasunnaich airson maith na dùthcha so; agus, am bitheantas, tha sàr fhios againn gur iad a tha deanamh fior droch bhuil de’n chòir sin. Tha na Morairean, mar an ceudna, a muigh agus a mach an aghaidh gach oidhirp a tha Ceiltich nan eileanan so a’ deanamh chum stiùradh an cùisean féin fhaotainn ’nan làmhan féin; agus se ar beachd ged nach biodh aobhar air bith eile againn air son sin, tha ann an so pailteas fàth againn airson sinn a bhi dol ’nan aghaidh, agus an tilgeadh bun os cionn. Ach, an déigh a h-uile ni, is ann air sgath Cothrom na Féinne a tha sinn gu máith toileach air dubhlan a thoirt do Thaigh nam Morairean, is an toirt gu làr. Cuimhnich gur e ach buidheann tur Tory a th’ann. Chan ’eil eachdraidh Shasuinn a’ toirt iomraidh air aon Bhill a thàinig o na Tories a bha air a dhiùltadh anns an Ard-Thaigh. Cho fad sa tha na Tories an làn ghreim air an Ard-Uachdranachd, is ann mar sheòrsa de thulachainn a bhitheas na Morairean do’n dream ud; ach nuair a rachadh na Liberals a staigh, air ball dhùin iad an dorus le trosd nan aghaidh-san, agus, bho chùl a’ bhalla, rinn iad fochaid orra. Có an duine nach aidicheadh gur e gnothach buileach mi-cheart, mi-reusanta, amaideach, a th’ann an so? Ma bhitheas a leithid idir ann, feumaidh sinn a bhi cinnteach gur e Tory agus Sasunnach a th’ann. Ach, tha fàth eile ann airson a tha sinn a’ gabhail beachd air na Morairean ceart mar so; agus is e sin a chionn gu’n robh am mòdh sin anns am bheil Taigh nam Morairean ga chumail beò, agus ga riaghladh; [TD 311] fhéin riamh anabarrach gràineil do na Gàidheil. Tha mac a’ leantuinn mic ann (ma ra tha tonn a’ buaileadh air cùl tuinn air tràigh), chan ann a chionn gu’n deachaidh a thaghadh airson rud-eigin an taobh a staigh dheth, no ni ainmeil a rinn e, a tha chum maith na duthcha is onoir d’a fhéin; ach do bhrigh gur e mac ’athair e. Gu dearbh is anabarrach, neònach, do’n Ghàidheil co-dhiù, a’ chùis ud! Tha sinn a’ tuigsinn ceart gu leòir na tha daoine a’ ciallachadh nuair a tha iad a’ toirt iomraidh air “an stéidh dhualaich” mar a theirteadh ris gu tric; ach an dualachd nach ’eil fuaighte ris “an stéidh thaghach”—sin chan ’eil sinn idir a’ tuigsinn no seasamh air chor air bith. An ar beachd-ne chan ’eil ann ach seòrsa de dh’aimeadachd. Is e feudalism glan as a chiall! Bha uair ann (agus sin gun bhi fad air ais co-dhiù) nuair a bha na h-eachdraidhean Sasunnach ag ràdh gur ann o’n Witan a thàinig a’ Phàrlamaid Shasunnach a mach; ach, mu dheireadh, chaidh dearbhadh air a’ chùis nach b’ann idir mar so a bha e. Chaidh an Witan a chriochnachadh air do na Sasunnaich dol fo chuing nan Normandach; agus ged nach biodh so mar so, is cinnteach nach robh an sluagh cumanta riamh air an leigeadh a staigh do na Witanan ud. Bha Mòid aca, ceart mar a bha aig dream Arianach eile (mar tha na Gearmailtich, na Ceiltich, na cinnich Laideannach etc.), ach cha do bhuin iad riamh ri riaghladh na rioghachd, a chaidh a bhuileachadh air an Righ, agus air an Witan—is a sin ri ràdh a’ Chùirt no a’ Chomhairle shrònuichte a bh’aige. (1) Mur ’eil sinn (1) “Self-government up to a certain point is traceable in the institutions of this period, but not beyond it. The Londoners might choose their Tythingmen and manage their own affairs, but the right to do so was laid down in ‘the ordinance which the Bishops and Reeves belonging to London ordained’; the Reeves being appointed by the crown, and Bishops, Reeves and Ealdormen being answerable for holding the Frith, ‘as I and my Witan have commanded’” (Ath., v., 11).—Scotland Under her Early Kings, i., 277. [TD 312] fada ’nar mealladh is ann o’n chòir a bha na Majores Barones uair-eigin a’ cleachdadh an Sasunn a thàinig Taigh nam Morairean a mach. Bha cead aca uaireigin frithealadh air an Righ ge b’e àite am biodh esan a tàmh: còir a bha uair-eigin aig an sluagh uile. Ach mar a’s mò a bha Feudalism air a thoirt air adhart anns an rioghachd ud, is ann a’s motha a bha cumhachd nam Majores Barones air dol am meud innte, gus mu dheireadh cha robh aca ach a bhi “frithealadh” air an Righ gun bhi ag iarraidh cead an righ fhéin idir. Mar sin, am beagan bhriathran, thàinig Taigh nam Morairean gu bhi ann. An ar measg-ne, cha robh a leithid riamh ann; agus théid sinn an urras nach bi gu là ’bhràth. Is duilich nach ’eil mion-eòlas againn air mar a chaidh stiùradh air cùisean na dùthcha nuair a bha sin fathast aig na seanna-Ghàidheil; agus feumaidh sinn ràdh an dearbh ni mu thimchioll ar càirdean an Eireann. (1) Có iad “Na Seachd Morair” co-dhiù, air am bheil (1) “The information which has come down to us about the legislative and judicial system of the ancient Irish is very fragmentary… Owing to the anarchy which prevailed during the period of the Viking expeditions and Anglo-Norman wars, the organisation of the courts was more or less broken up, the procedure became irregular, and the record of court was carelessly kept. Many forms and offices became obsolete; so much so that several legal terms, even the names of the officers and of the courts themselves, became unintelligible to the law scribes of the fifteenth and sixteenth centuries.”—O’Curry, i., 252. [TD 313] iomadh iomradh againn am fìor eachdraidh ar dùthcha; agus ciod e an dreachd no’n oifig a bh’aca? Do na ceistibh so, agus do iomadh té eile tha fuaighte ri sean-eachdraidh na h-Alba, chan urrainn sinn fior fhreagairt a thoirt seachad. Coma co-dhiù, tha cinnt againn gu’n robh e cleachdail leis na Gàidheil a bhuineadh do’n linn ud iad a bhi ’cruinneachadh ri chéile bho àm gu àm airson cùisean na dùthcha a chuir an céill, agus a thoirt gu buil. Thug iad Mòd mar ainm air na co-chruinneachaidhean mòra ud, agus is iomadh lorg aca-san a tha r’am faotainn an lagh agus an eachdraidh na h-Alba. Eadhon an déigh do Rian nan Normandach cead fhaotainn air an dùthaich againn, cha deachaidh an seann-chleachdadh so a chur gu taobh. (1) B’ann air Mòd de’n t-seorsa so, agus a chaidh a chur air bonn uair-eigin ré linn a’ cheud Righ Dòmhnull, gu’n deachaidh gabhail ri laghanna Aoidh Bhàin gu follaiseach, agus air beulaobh an t-sluaigh uile, a bha cruinn cuideachd, air sgàth an aobhair ud. Is anabarrach cudthromach a’ chùis so, a chionn gur dòcha gu’n d’thug na laghanna ud lan-dearbhadh air còir Aoidh is a luchdleanmhuinn air cathair na h-Alba. B’ann air Mòd, mar an ceudna, a thachair air cnoc a’ Mhòid aig Sgàin, ré linn an dara Righ Conn gu’n deachaidh ’shocrachadh, no, a’ chuid a’s lugha dheth, cead a thoirt air rian na h-Eaglaise, mar a bha sin air a stéidheachadh aig an àm ud. B’ann aig Mòid, cuideachd, (1) “No innovation appears to have been introduced amongst the Gaelic people upon the older custom of assembling the whole free population of the district, confederacy, or kingdom in annual or occasional meetings.”—Scotland Under her Early Kings, i., 277. [TD 314] a b’àbhaist do na Gàidheil a bhi taghadh an Ard-righrean féin. Coma co-dhiù, is cinnteach gu’n deachaidh gabhail riu-san gu follaiseach leis an t-sluagh uile aig an ionad ud. (1) Bha cùisean na Mòr-Roinne air an stiùradh air an dearbh mhodh sin, ged a tha e fior nach robh na Mòid so leth cho mòr is comasach sa bha an fheadhainn eile a chaidh ghairm ri chéile leis an Ard-Righ fhéin. Tha cùnntas fathast againn air aon de na Móid dhùthchail so, a thachair uaireigin ré linn a’ cheud Righ Dàidh. Thachair gu’n deachaidh Sir Raibeart Burgoin, gun fhios is gun chead, thar chriochan fearainn nach buineadh idir dha, ach do na Manaich a bha chòmhnaidh an Cille-Ribhinn. Air do’n Righ so a’ chluinntinn, air ball chuir e mach a chuid theachdairean chum sluagh na dùthcha a ghairm ri chéile, agus chum a’ chuis a thoirt gu breith, is binn a thoirt cho maith is cho luath sa dh’fhaodadh e. Rinn iad sin, agus a dh’ ionnsaidh an àite a chaidh ainmeachadh leis an Righ airson a’ Mhòid dhùthchail so a chumail thànaig Morair Fhiofa—a bha ’na Ard-Bhreitheamh air Albainn aig an àm ud—comhla ri buidhinn làidir de dhaoine-uaisle, a luchd-muinntir, agus ’oifigich. “Air dhoibh so uile bhi cruinn an ceann a chéile comhla ri sluagh na dùthcha, chaidh roghainn a dheanamh leo air triuir dhaoine chum na cùis a dh’fheuchainn, agus a thoirt gu breith; agus b’iad so, Conn Mòrair Fhiofa, Maoldonada Mac Maddeth (Breitheamh air an Roinn, a réir coltais), agus Dùghall Mac Moccha, (1) “Tollens igitur omnia populus terrae Malcholum … apud Scoticam, sicut consuetudo illius nationis … constituerat regem pro David avo suo.”—1 Hex., 1154. [TD 315] a chaidh a thaghadh air son ’aoise.” Mar so chaidh a’ chuis air adhart, agus, an ùine gheàrr, chaidh binn a thoirt a mach a réir seann nòis Ghàidheil na h-Alba—is e sin ri ràdh thug Aba Dubhtach, comhla ri coig de phears-eaglais, sàr mhionn air an altair gu’n robh na criochan mar a bha iad; agus ged nach ’eil fios againn air mar a chaidh an là an aghaidh Shir Raibeairt, is cinnteach nach do choisinn esan a’ chùis aige. (1) A thaobh nan Eirionnach, is dòcha gu’n deachaidh breith chumanta, agus ceartas, a thoirt a mach car mar so. Tha O’Curry ag ràdh gu’n robh coig suidheachaidhean an Eireann a bha toinnte air dhòigh-eigin ri cur a staigh, ri deanamh, is ri cur a mach an lagh. B’iad so, d’a réir-san, an Sabaid Cuirm-Taighe, am Mathluagh, an Dàl, an Tocomrach, agus an Aonach, no’n Fhéill. Dhiubh so, bha a’ chiad fhear air a dheanamh a suas “mar a tha an t-ainm aige a’ cuimseachadh (their O’Curry) de chuilbh na Stàide”. B’ann de na cinn-fheadhnach a mhàin a bha e air a dheanamh suas; agus b’e an dreachd a bh’aige laghanna nuadha a chur ri chéile, agus réite a dheanamh dhoibh-san a bha an déigh fàs neo-fheumail air sgath am mòir aois, no a bu chòir an leasachadh airson aobhar-eigin eile. Bha an dàra fear air a dheanamh suas de cho-chruinneachadh mòr de na “fir-ràtha,” no na ceann-ardan-teaghlaich a bhuineadh do’n Fhine. B’e an dreachd a bh’aige, a réir O’Curry, gabhail ri cùisean cudthromach na Fine no riu-san a bhuineadh do’n (1) Reg. Prior. St. And., t. 117. Thachair so air toiseach linn a’ chiad Righ Dàidh. [TD 316] Mhòr-Roinn. Ghabh iad os làimh, mar an ceudna, cùisean cudthromach eile mar so, tagraidhean an aghaidh ghniomhan eucorach an righ, agus dhiùltaidhean ceartais air taobh nan cuirtean cumanta; roinn na Dibhe, no a’ mhaoin a bhuineadh do na buill-cinnich nach maireann, am measg an cuid càirdean, agus mar sin air adhart. Bha an treas suidheachadh a bh’ann car cosmhuil ris an dàra fear, ach b’ann de na h-uaislean a mhàin a bha e air a dheanamh suas. B’e an dreachd no’n oifig a bh’aige na cisean a thogail; cumail suas nan rathaidean mòra, agus faire is freiceadan a dheanamh air ge b’e àite air an rachadh aca sin a dheanamh. Ghabh iadsan os làimh, mar an ceudna, buntainn ri gach uile ni a bha tointe ri ceaird is goireas na dùthcha; agus bha aca-san, cuideachd, “cogadh no sith” orduchadh nuair a b’fheudar do’n Fhine a’ cheist sin fhuasgladh. Aig an Tocomrach, chaidh roghainn a dheanamh’ air son righ; agus, b’e sin, a réir O’Curry, “the true legislative Assembly” a bh’ann. Eadar an Tocomrach is an Dàl, cha robh atharrachadh mòr ann, agus b’e am beachd a bh’aig an ùghdair ainmeil ud, gu’n deachaidh gu tric an gairm ri chéile fo’n aon ainm, agus, am bitheantas, gur e an t-aon chruth a bha aig an dithis dhiubh so. Bha’n t-Aonach an t-ionad sin far an deachaidh foillseachadh a dheanamh air laghanna nuadha na rioghachd, agus far am bu chleachdadh le ar sinnsre na seann laghanna a chur an céill as ùr air sgath an t-sluaigh uile. “Bha’n t-Aonach mar an ceudna, ’na sgoil mhòir far an d’fhuair an sluagh eòlas air an cuid còraichean, agus air na laghanna [TD 317] sin fo’n robh iad beò. Dh’ionnsaich iad an sin, mu eachdraidh na dùthcha, agus mu euchdan nan laoch a dh’fhalbh rompa. B’ann air an Aonach, mar an ceudna, a thug iad brath air sloinntearachd an teaghlaich sin aig an robh còir air riaghladh tharta-san” (1) B’ann mar so a bha e an Eireann fad linntean anabarrach tràth; ach mar a’s mò a bha’n dùthaich tighinn air a h-adhart anns a h-uile bheus agus anns gach cleachdadh is goireas a bha chum feum is maith na dùthcha a réir coslais, is ann a’s motha a bha a cuid riaghlaidearan a’ daingneachadh, a’ meudachadh, agus a’ farsaingeachadh an cumhachd a bh’aca. Thachair a’ cheart ni an Albainn; agus is duilich an gnothach e a thoirt fainear gur ann mar a’s motha a bha an dùthaich dol am feabhas agus air a h-aghaidh, a réir coslais, is ann a’s mò a bha’n sluagh dol air an ais, agus a’ tuiteam fo smachd na feadnach a bha stri nan aghaidh chum an cumhachd a bh’aca a thoirt air falbh uapa. Ach ged a tha e fior gu’n robh a’ chuis mar so, agus gu’n d’fhuair na cinn-fheadhnach tuille a’s mò de chumhachd agus de smachd ’nan làmhan féin, gidheadh chan fhaodadh aicheadh gu’n do leig an sluagh riamh tur air falbh a’ chòir sin a bh’aca o shean, gu bhi taghadh an cuid riaghladairean air an son féin, a spionadh agus a ghoideadh uapa-san. (2) Bha ceannsachadh, agus cur fo smachd an t-sluaigh leis an righ, agus a chuid (1) Manners and Customs, i., 255. (2) A réir Anderson, chaidh thaghadh air Dòmhnull Dubha mar “Thighearna nan Eilean” sa bhliadhna 1543. B’fhurasda iomadh sàmhladh eile air an t-seann chleachdadh so thoirt air aghaidh. [TD 318] cuirtearan ’na chùis a chaidh air adhart gu maith mall agus tur socaireach an Albainn, amhuil is mar a rinneadh an Eireann. Ach faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh sin fad air falbh bho ar sinnsre féin nuair a chaidh am Mòd agus am Breitheamh agus am Morair a chur gu taobh, agus nuair a chaidh steidheachadh air Bian nan Normandach ’nan àite. Is ann air an aobhair so, mata, a tha e buileach dualach is nàdurra do na Gàidheil a bhi riamh a’ taghadh an cuid riaghladairean air an son féin gur e am beachd a th’aca aig an àm dol a mach comhla ris na Sasunnaich chum Taigh nam Morairean a sgrios agus thilgeadh bun os cionn. Ach a bharrachd air sin, tha fàth eile anns a’ chuis; agus is e sin gur e an “Taigh” so aon de na nàimhdean a’s miosa agus a’s mò a tha aig Gàidheil na h-Alba is na h-Eireann aig an là an diugh, agus b’ann ceart mar so a bha e anns na làithean a thréig. Tha focal againn a tha ag ràdh, “Is treasa tuath na tighearna”. Tha dùil againn nach bi e fada gus am bi an sean-fhocal so mar chath-ghairm do na Sasunnaich mar an ceudna. [TD 319] A’ CHÀNAIN GHÀIDHLIG IS AN SLUAGH D’AM BUIN I Le C. M. P. ’S e mo rùn aig an àm so smaointean a thaisbeanadh, a dh’fhàs annam am feadh a bha mi cur ri m’ eòlas air a’ chànain Ghàidhlig agus air an t-sluagh d’ am buin i mar chànain. Faodaidh e bhi nach ’eil m’ eòlas air na nithean sin cho faisg air iomlanachd ’s a bu chòir da bhi aig neach a bhiodh a’ cur roimhe eòlas a thoirt seachad orra; ach, aig a’ cheart am, theagamh gu’n dean e feum gu beagan a chur ri eòlas an leughadair. Cha dean e an gnothach a bhi a ghnàth feitheamh is a’ cumail air ais ar barailean air nithean gus am bi ar n-eòlas coimhlionta. ’S e ar dleas a bhi roinn ar n-eòlais air ar comh-dhaoine gach ceum air aghaidh a nì sinn. Ma bhios ar n-eòlas fìor is ar barail ceart, ni iad maith dh’fheadhainn eile; ma bhios iad ceàrr is mearachdach ni e maith dhuinn féin sin fhaighinn am mach. A thuilleadh air sin, air dhuinn eòlas eagnaidh a chnuasachadh air cùis air bith, ’s e ar dleas beachd farsuing a stéidheachadh air, a chum feum duinn anns an rannsachadh an déigh eòlais a bhios romhainn. Tha da sheòrsa beachd ann, air am faod sinn mion-bheachd agus garbh-bheachd a thoirt mar ainmean: no beachd farsuing is beachd cumhann. Abair gu’m bheil dà dhuine a’ seasamh mu choinneamh beinne. Anns a’ cheud sealladh oirre, ’s e chi an dàrna duine meud is cruth is maise na beinne mar [TD 320] bheinn; ’s e chi an duin’ eile creag an so, cnoc an sud, craobh thall is preas bhos. ’S e their an dàrna duine: “nach mòr, dealbhach a’ bheinn, ’s nach maiseach an lìth a th’oirre”. ’S e their an duin’ eile: “nach laghach a’ chraobh chaorainn ud, ’s nach garbh, cas a’ chreag liath so”. Thig an duine a bhios de’n cheud ghnè-inntinn gu beachd cothromach air na nithean a mhothaicheas e, mòran na’s luaithe na’n duine eile. Air an aobhar sin bithidh mi an so a’ feuchainn ri beachd farsuing air a’ Ghàidhlig agus air an t-sluagh d’am buin i mar chànain, a chur fa chomhair an leughadair, le sùil ri beachd farsuing a ghintinn ann-san. Cha’n urrainn duit-sa no dhòmhsa a ràdh gur sìol sinn de na daoine leis am bu leis a’ chànain Ghàidhlig 2,000 bliadhna roimh an àm so; agus gur ann air a’ cheann sin a tha sinn toigheach air a’ chànain sin. Bha cinneadh ann d’ am b’ainm na Gàidheil, aig an robh a’ Ghàidhlig mar chànain aca. Ach, anns na linntean so, tha Gàidheil ann a réir sliochd nach ’eil comasach air a’ Ghàidhlig a labhairt; agus tha mòran ann nach ’eil ’nan Gàidheil a réir sliochd aig am bheil ’nan comas a’ chànain sin a labhairt. ’S fheudar dhuit air an aobhar sin, ma tà, a chumail an còmhnuidh fo d’aire, am feadh a bhios tu a’ leughadh, gur e a tha ’nam smaointean nuair a chleachdas mi am facal “Gàidheal,” Gàidheal a thaobh cànain, agus nach e Gàidheal a thaobh sliochd a bhios mi a’ ciallachadh. An coitcheannas, bithidh tusa ’ga mheas ’na Ghàidheal, an duine a labhras, a leughas no a sgrìobhas, no a thuigeas a’ chanain Ghàidhlig, no a dh’fheuchas ris a’ chànain sin a thuigsinn; agus is ceart, freagarr- [TD 321] ach sin. Cha’n ’eil Gàidheal eile ann is fhiach an t-ainm “Gàidheal,” a thoirt air. Ach, ciod i a’ chànain Ghàidhlig? Shaoileadh neach gu’m bu dìomhain a’ cheist sin fharraid, agus nach robh feum air réiteachadh aig an fhacal sin: a’ Ghàidhlig. Leis a’ chuid is mò, is eagal leam, tha ’m facal a’ ciallachadh na cànain a tha air a cleachdadh ’sa Ghàidhealtachd Albannaich. Ach tha ’m beachd sin cearr. Tha sinn uile ciontach anns a’ chùis so; agus’s e ar leisgeul air a shon gu’n robh e ’na chleachdadh an t-ainm sin a bhuileachadh a réir na céill sin fada roimh ar teachd-ne do’n t-saoghal; agus ’nar n-aineolas lean sinn ris a’ chleachdadh gun bhi feòraich co-dhiùbh bha e ceart no ceàrr. Cha’n ’eil e ceart ainm an iomlain a thoirt air a’ chuid. Mar sin, cha’n ’eil e ceart “A’ Ghàidhlig” a thoirt mar ainm air a Ghàidhlig Albannaich am feadh ’s a tha Gàidhlig aig na h-Eireannaich is aig na Manainnich. Cha mhò tha e cothromach “A’ Ghàidhlig” a thoirt mar ainm air a’ Ghàidhlig Eireannaich am feadh ’s a tha Gàidhlig aig Albannaich is Manainnich. Nuair a labhras sinn mu’n Ghàidhlig, bu chòir e bhi soilleir co-dhiùbh is i ar Ghàidhlig am fad a th’againn fo bheachd, no aon de na dual-chàinntean a bhuineas dith. Tha na h-Eireannaich ciontach anns an droch chleachdadh so cho math ruinn féin. Tha iad eadhon na’s miosa na sinn féin. Nuair a labhras no a sgrìobhas iad ’sa Bheurla Shasunnaich, ’s e ’n t-ainm a th’aca air a’ Ghàidhlig Eireannaich: Irish Language. Nis, cha bhuin an t-ainm “Eireannach” do’n chànain ach do’n tìr. ’S e Irish a thug an Gall is an Sasunnach, ’nan aineolas, air a’ chànain; agus ’s e ’n t-ainm [TD 322] ceudna a thug na Goill air ar Gàidhlig féin anns na linntean a dh’fhalbh, agus, gu tric cuideachd, air a’ chinneadh d’am buin sinn, aig an robh a’ Ghàidhlig, mar chànain aca. ’S i a’ Ghàidhlig Eireannach prìomh chànain nan Gàidheal. Tha i air a labhairt leis an àireamh is mò; agus ’s ann innte tha a’ mhòr chuid de shean litreachas na Gàidhlig r’ a faotainn. Bha i uair ’na cànain aig sluagh a bha fad air aghaidh an ionnsachadh, an ealdhain, an ìnnleachd ’s an riaghladaireachd dhaoine; agus cha’n ’eil e comasach do neach air bith beachd farsuing no cothromach a bhi aige air a’ Ghàidhlig no air nithean a bhuineas di, gun eòlas a bhi aige air litreachas na Gàidhlig Eireannaich. Bu chòir dhuinn uile bhi cur ri ar n-eòlas air Gàidhlig nan Eireannach. Cha tig e gu maith do fhear air bith a bhi labhairt mu thimchioll na Gàidhlig ’na farsuingeachd, gun eòlas bhi aige air a’ Ghàidhlig sin. Cha’n fhiach a bharail dad gun sin aige. Bu chòir e bhi ’na thoileachas inntinn do gach neach a tha cur ùigh anns a’ chànain Ghàidhlig ionnsachadh is eòlas fhaotainn m’ a deighinn—a teachd an uachdar, a dol fodha ’sa teachd an uachdar a rithis—anns gach ceàrn ’san dol thuinich i riamh; agus, gu sònraichte, anns a’ cheàrn sin anns am bheil eòlas oirre na’s mò agus na’s soilleire agus na’s fhasa fhaotainn na tha e an ceàrn eile ’san robh i. Ach cò sinne, Gàidheil na h-Albann; agus ciod e an dàimh a tha eadar ar gnàth-chànain-ne agus gnàth-chànain nan Eireannach? Tha eadar-bharail mhòr ann air ciamar a thàinig na Gàidheil gu Albainn air tùs. Fad mòran bhliadhnachan bha e air a shaoilsinn [TD 323] —agus bu nàdurra r’a shaoilsinn e—gu’n robh na h-Arianaich a thàinig an toiseach as an àirde-’n-ear do’n àirde-’n-iar, ’nan Gàidheil; gu’n d’thàinig iad troimh mhòr-thìr na Roinn-Eòrpa; gu’n d’thug iad an t-aiseag thar a’ Mhuir n-Iocht gus an dùthaich a tha nis ainmichte Sasunn; gu’n do sgaoil iad air feadh na dùthcha sin gus an d’ràinig iad ’s an do liòn iad Albainn—iad fad na h-ùine ag iomain rompa na h-Iberich a bha ’san Eilean Bhreatunnach roimh theachd nan Gàidheal—gu’n d’ràinig iad mu dheireadh Maol nan Gallach agus Maol Chinn-tìre, agus gu’n d’thug iad an t-aiseag as na h-áitean sin thar a’ Chuain Eireannaich gu Eirinn. Tha cuid ann air an là ’n diugh a dhiùltas creideas a thoirt do’n bharail sin; agus bithidh iad a’ cumail am mach nach d’thàinig Gàidheal riamh do Bhreatunn nach do chuir am mach bàta o chala air choireiginn an Eirinn. Cha’n ’eil iad ag ràdh nach d’thàinig Ceilteach gu Breatunn gun e thighinn á Eirinn; ach nach d’thàinig Gàidheal riamh gu Breatunn nach d’thàinig, e féin no a shinnsear, á Eirinn. Thatar ag ràdh gu’n robh fineachan nan Ceilteach—gu sònruichte na Cuimrich anns an taobh deas agus na Cruithnich anns an taobh tuath—ag àiteachadh Bhreatuinn roimh theachd nan Gàidheal á Eìrinn. ’S iad na Cruithnich aig an robh sealbh air Albainn air taobh tuath Uisge Fùir roimh theachd nan Gàidheal. B’e sin beachd Alasdair Mhic Bheathain nach maireann, co-dhiùbh; agus ’s e ’n dearbhadh a thug e air: gu’m bheil ainmean-àitean anns na crìochan sin nach gabh mìneachadh le Gàidhlig, ach gu’n gabh iad mìneachadh leis a’ chànain Chuimrich. [TD 324] So mar a reusonaich e. As a’ bhun Arianach dh’fhás dà chraobh, Craobh C agus Craobh P. Am facal ris an abair na Gàidheil “Ceann,” tha e aig na Cuimrich anns a’ chumadh so: “pen”. Am facal ris an abair na Gàidheil “mac,” their na Cuimrich “map” ris. Dh’fhàs an C Gàidhealach agus am P Cuimreach ’san t-sean aimsir as “qu”. ’S e maquos a bha air mac anns an t-sean aimsir. Bha na Cruithnich de shliochd na craoibhe P agus, mar sin, bha iad an dàimh ris na Cuimrich. ’S e ’n t-ainm a bh’ aig na Cuimrich air na Cruithnich: Prydain; agus ma chuireas sinn C Gàidhealach an àite P Chuimrich, ’s e th’againn “Cruitein,” focal as am faodadh ‘Cruithne,” an ceann aimsir, gu nàdurra fàs. Nuair thàinig na Gàidheil á Eirinn a dh’Albainn bhuidhinn iad uachdranachd air na Cruithnich agus bhuadhaich cànain nan Gàidheal air cànain nan Cruithneach. Ach mhair an sud ’s an so ainmean a bh’aig na Cruithnich air àitean na dùthcha—gu h-àraidh anns an taobh-’n ear—agus cha ghabh iad sin, mar a thubhairt mi cheana, mìneachadh le Gàidhlig, ach gabhaidh iad míneachadh troimh ’n chànain Chuimrich. A réir sliochd, tha a’ chuid is mò de’n t-sluagh a th’anns a’ Ghàidhealtachd de’n chinneadh Chruithneach, gu sònraichte anns an taobh-’n-ear is an taobh tuath. Ach ’s e a th’aca mar chànain, a’ Ghàidhlig, cainnt nan Gàidheal a thàinig á Eirinn is a thug buaidh air na Cruithnich tre chumhachd an eòlais, an ionnsachaidh, an ealdhain, an innleachd, agus an comas air riaghladaireachd dhaoine. B’ann, ciudeachd, leis na Gàidheil a thàinig a’ chreideamh Chrìosduidh a steach do’n dùthaich, [TD 325] a chuir fodha an seòrsa cràbhaidh a bh’aig na Cruithnich, anns nach robh, maith dh’fhaoidteadh, litreachas air bith. A’ chuid sin de’n chànain Ghàidhealaich a chuir as do’n chànain Chruithnich, agus a tha mairsinn beò gus an là’n diugh, gabhaidh i roinn ’na dà earrann: an gnàthas tuathach is an gnàthas deasach. ’S e so beachd Alasdair mhic Bheathain agus feadhainn eile. Agus is beachd leò, mar an ceudna, gu’m bheil dàimh na’s dlùithe eadar gnàthas nan deasach an Albainn agus gnàthas na h-Eireann, na tha eadar gnàthas nan tuathach agus gnàthas na h-Eireann. Tha mise ’g ràdh gu’m bheil na sgoilearan mòra sin am mearachd. Mu dheich bliadhna roimh an àm so bha de dhànadas agam mo bharail féin a chur an aghaidh barail nan sgoilearan mòra so; agus a dh’aindeoin an comasan ’s an cliù, tha uidh-air-n-uidh an fhìrinn a’ buadhachadh, a chionn gu’m bheil an dearbhadh, nuair theid a chomharrachadh, cho soilleir ’s nach gabh e seachnadh. Bha mi ceithir uairean aig Oireachtas nan Gàidheal am Bail’-ath-cliath, agus chunnaic is chuala mi luchd-labhairt na Gàidhlig a thàinig as gach ceàrn a dh’ Eirinn; agus thug mi fa’n ear gu’n robh gnàthas àraidh aca uile ’nan labhairt, a tha comharraichte air na tuathaich ’nar dùthaich féin. Chualas gu tric “tir na meann” air a ràdh an àite “tir nam bean”. Sin gnàthas air an tabhair na sgoilearan Eireannach “Urdughadh” mar ainm. B’aithne dhomh mu’n deachaidh mi thall gu’n robh an dòigh-labhairt sin air a gnàthachadh an Eirinn; ach thugadh dearbhadh air aig an Oireachtas. A thuilleadh air sin, thug mi fa’n ear gu’m bu ghnàth leis na Mumhain- [TD 326] ich ia a ràdh an àite è is é, mar so, bial an aite beul, dìreach mar a their na tuathaich againn féin e. Thug mi fa’n ear, cuideachd, gu’m bheil muinntir an-taobh tuath an Albainn agus muinntir an taobh deas’ an Eirinn, an tomhas mòr, coltach ri chéile ’nan, cruth ’s ’nan gnùis. Bha mise ’gam faicinn mar sin co-dhiùbh. Bha fear air am bheil sinn eólach, ’nam chuideachd nuair a chaidh mi a dh’Eirinn a cheud turus—tuathach ’s e th’ann—agus cha robh na h-Eireannaich fada gun a thoirt fa’n ear gu’n robh e coltach ri muinntir an dùthcha féin. Agus faodaidh mi ràdh gu’m bheil e sin, ’na chruth, ’na inntinn ’s ’na chainnt. Nuair a bha mi aig Mòd Ionbhar-pheabharain chunnaic mi mòran dhaoine air an robh coltas Eireannach. Agus thug mi fa’n ear gur e their, muinntir na Manachainn an àite bualadh, bualag; an àite dunadh, dùnag, agus mar sin leis gach facal d’an leithid, dìreach mar is gnàth le muinntir Phuirt-lairge ’sa Mhumhain air taobh an iar-dheas na h-Eireann. Air na h-aobhairean sin, tha mi ag ràdh, ’s ’ga chumal am mach gu làidir, gu’m bheil dàimh àraidh eadar na tuathaich an Albainn is na deasaich an Eirinn. Air an làimh eile, tha dàimh àraidh eadar muinntir’ Earra-Ghàidheal agus muinntir Ulaidh is Midhe is Chonnacht. Is gann a tha Urdughadh air a chleachdadh an cainnt nan Earra-Ghaidhealach. Cha robh, is cha’n ’eil e cho làidir am measg nan Ultach, nam Midheach is nan Connachtach ’s a tha e am measg nam Mumhaineach. ’S e their na h-Ultaich “Cha ’n eil,” direach mar a their sinne e, far an abair na Mumhainich “Ni bhfuil”. Na’m bitheadh a’ cheist air a farraid orm: C’àite an Eirinn am bheil a’ [TD 327] Ghàidhlig is dlùithe do chànain Earra-Ghaidheal is nan leabhraichean, theirinn-sa: Anns a’ Mhidhe is taobh an ear-dheas de Uladh. Cha’n ’eil litreachas na h-Eireann Mumhaineach a réir gnàthais. Cha’n ’eil litreachas na Gàidhlig Albannaich tuathach a réir gnàthais. Cha bhuin e do cheàrn air bith; ach tha e na’s fhaisge air gnàthas nan Ultach is nan Earra-Ghaidhealach na tha e air gnàthas càich. Tha an dàimh so a tha eadar muinntir taobh tuath na h-Albann is muinntir taobh deas na h-Eireann ag comharrachadh gu’m bheil an dà shluagh, an tomhas mòr, de’n aon shliochd agus gu’n d’thàinig an cànain fo’n aon bhuaidh anns na linntean àrsaidh. Tha an dà shluagh coltach ri chéile ’nan gné inntinn. Tha iad gu mòr fo bhuaidh am mac-meanmna: so-ghluaiste, so-bhrosnaichte, am feadh a tha muinntir taobh deas na Gàidhealtachd Albannaich agus muinntir taobh tuath na h-Eireann do-ghluaiste, fulangach, leanailteach. Gach nì a rùnaicheas a’ cheud fheadhainn, bu mhath leo a dheanamh a leum. Gheibh sin a’ bhuaidh air uairean; ach mur bi diongmhaltas is seasmhachd air a chùl, cha’n fhad a mhaireas toradh an deanadais. O chionn linn tha na tuathaich an Albainn agus na deasaich an Eirinn a’ deanamh fuaim. Ach is duilich leam nach ’eil comh-sheirm ’sa cheòl aca; is eagal leam nach ann an còmhnaidh ri cur ri chéile tha iad, ach, gu tric, ri toirt as a chéile. An ceann aimsir, gun e bhi fada, chì sinn, ma’s beò sinn, co-dhiùbh is fìor no mearachdach am beachd sin. Ar leam gu’n cluinn mi cuid ag ràdh: Ciod e do bharail féin air ciamar a thàinig muinntir na Gàidh- [TD 328] ealtachd Albannaich gu bhi ’nan dà earann, mar a dh’ fheuch thu ri thoirt fa’n ear. Ma thàinig na Gàidheil a steach a dh’Albainn troimh Eirinn, shaoileadh neach gu’m bitheadh a’ cheud sruth a nis an taobh tuath na h-Albann agus an sruth mu dheireadh an taobh deas na h-Eireann. Ach tha thusa a’ deanamh dheth gu’m bheil, eadar na tuathaich an Albainn is na deasaich an Eirinn, sluagh eile a tha tuineachadh, cuid dhiubh an Albainn is cuid dhiubh an Eirinn, agus iad, a réir coltais, ’nan aon sluagh—oir mar bu chòir dhomh a ràdh—de’n aon shliochd. Dh’fhaodadh e bhi mar so. Abair gu’n robh sluagh an taobh deas na h-Eireann a bha a’ cleachdadh ùrdughaidh ’nan cainnt, agus, ’san taobh tuath, sluagh aig nach robh an cleachdadh sin; gu’n d’thàinig an i sin a steach a dh’Eirinn dream eile aig nach robh an cleachdadh sin, agus gu’n d’fhuair iad làmh an uachdair air an fheadhainn a bha ’san dùthaich air thoiseach orra. Abair gu’n d’fhuair iad, an ceann ùine, ceannas air Eirinn air fad. Air so bhi mar so car ùine, abair gu’n d’rinn sluagh na h-àirde tuath a chaidh a chur fodha, àramach, agus gu’n d’fhuair iad làmh an uachdair a rithis—ni nach ’eil idir ao-coltach. A chionn tha eachdraichean a’ baralachadh gu’m bheil na seann sgeulachdan is na seann dàna mu thimchioll Chuchuilinn is a linn a’ leigeil ris gu’n do thachair ni eiginn de’n t-seòrsa sin air am bheil mi ’g iomradh. Dh’éirich an sin Ard-macha gu bhi ’na bhaile meadhonach as an do sgaoil ionnsachadh, ealdhain, ìnnleachd is riaghladaireachd, agus gu sònruichte a’ chreideamh Chrìosduidh a bhuadhaich am fad’s am fagus. Anns a’ chainnt a thàinig a rithis an uachdar, bha na facail [TD 329] air an giorrachadh agus bha’m buille a’ tuiteam a ghnàth air an lide-thoiseach anns gach facal, direach mar a tha e ’sa Bheurla Shasunnaich, a dh’fhuiling cur fodha leis na Normanaich is a dh’éirich a rithis an ceann aimsir. Thàinig an dream sin troimh Earra-Ghaidheal air an rathad gu Albainn. Na’m bu luchd-cleachadh ùrdughaidh iad, is ioghnadh nach ’eil muinntir Earra-Ghàidheal ’nan luchd-cleachdadh ùrdughaidh, cuideachd. Ged is fìor sin, ars thusa, ciamar a tha e gu’m bheil ùrdughadh pailt gu leòir an seann litreachas nan Earra-Ghaidhealach is nan Gàidheal Albannach uile. Cha’n ’eil a’ cheist sin duilich r’a fuasgladh. Tha e coltach gu’n robh, uidh air n-uidh, Eirinn uile a’ tighinn fo bhuaidh ùrdughaidh fada roimh linn nan ceud leabhraichean. Tha ùrdughadh ri fhaotainn anns na sgrìobhaidhean is sine a tha’n Eirinn; agus faodar a bhi cinnteach gu’n robh e air a chleachdadh an labhairt an t-sluaigh fada mu’n d’fhuair e àite ’sna leabhraichean. Nuair a thàinig na Lochlannaich a steach do na h-eileanan siar is Eirinn, thug cumhachd nan Gàidheal ceum mòr air a h-ais, agus maille ri sin chrìon litreachas na Gàidhlig. Ach, mu dheireadh, air do na Lochlannaich bhi air an ruagadh as an dùthaich, dh’éirich litreachas ùr anns an robh ùrdughadh; agus tha mi creidsinn gur ann a réir gnàth-chainnt an litreachais sin a labhair na h-uachdarain is na maithean, an dà chuid an Eirinn is an Albainn, anns na linntean an deigh dol fodha nan Lochlannach. Mhair sin gu ruig linn an Ath-leasachaidh. Aig an àm sin thàinig sgaradh eadar na h-Eireannaich is Gàidheil na h-Albainn, agus thòisich [TD 330] na h-uaislean is na sgrìobhadairean air gnàth-chainnt na h-Eireann a dhearmad; agus thàinig, ceum air cheum, gnàth-chainnt nam mithean an àirde. Nuair a chuir Carsalach mòr Chàrn-àsaraidh am mach a leabhar-ùrnuigh ’san t-seachdamh linn deug ’s ann a réir na dòigh Eireannaich a sgrìobh e e. An àite bhi ’g ràdh ar tigh, ’s e ar dtigh a th’aige; an àite ar beoil, ’s e ar mbeoil a sgrìobh e—a’ leigeil ris gu soilleir, le sin, gur ann a réir gnathas litreachas na h-aimsir a bha e a’ deanamh obair. Lean luchd-sgrìobhaidh ris a’ chleachdadh so fada an déigh dhaibh eòlas air ciod a bu chiall da a chall, agus gheibhear ’nar leabhraichean Gàidhlig e nìos gu ruig linn Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus beagan ’na dhéigh sin. Mu dheireadh, chaidh e as gu buileach, agus air an là ’n diugh is gann a tha fuigheall deth r’a fhaotainn an sgrìobhaidhean nan Gàidheal Albannach; oir tha a nis cànain nan leabhraichean air a stéidheachadh air cleachdadh nan deasach a tha as ionnais a’ chleachdaidh bhacaich ud: Urdughadh. Na’m b’ e ’s gu’n d’éirich litreachas nan Gàidheal Albannach am measg nan tuathach, cha’n abarainn nach bitheadh ùrdughadh a’ faighinn àite ’nar leabhraichean, dìreach mar a tha e an leabhraichean nam Manainneach. ’S e an nì a chuidich gu ùrdughadh a chumail as ar Cànain Albannaich gu’m bheil a’ bhuille làidir a’ tuiteam air gach lide toisich an fhacail, agus gu’m bheil ar t, d, p, b, c agus g air an ràdh le neart na’s mò na gheibhear an cànain air bith eile air am bheil mise eòlach. Ach an cànain nan Eireannach tha na litrichean sin air an ràdh gu bog mar a tha iad ’san [TD 331] Roinn-Eòrpa ’s an Sasunn is anns a’ Chuimridh; agus mar sin ghéill iad do Urdughadh. Ach ciod e is mathair-aobhair a dh’Urdughadh, cha’n fhios dòmhsa, no do neach eile cho fad ’s is aithne dhomh. Is barail leamsa, ma tà, gu’n aidichear a nis gu’n robh, anmoch an eachdraidh na h-Albann, sluagh anns an dùthaich sin nach robh ’nan luchd-cleachdadh Urdughaidh ’nan cainnt, a bha uair an uachdaranachd, ged mu dheireadh a chaidh iad fo riaghladairean a bha ’nan luchd-urdughaidh; agus a rithis gu’n d’éirìch an gnàth-chainnt gu bhi air a cleachdadh an leabhraichean anns an dùthaich so, agus gu’m bheil a ghnàth-chainnt sin againn ’sa Ghàidhealtachd air an là ’n diugh. Faodar an fharsuingeachd air an do ruig a’ Ghàidhlig an Albainn a mheas le bhi beachdachadh air ainmean àitean na dùthcha. Faodar a ràdh nach robh àite an Albainn uile anns nach do bhuadhaich a’ Ghàidhlig aig àm air choireiginn; oir is gann a tha siorramachd ann anns nach faighear ainm Gàidhlig. ’S iad a mhàin siorramachdan an ear-dheas anns am faighear gu tearc iad. Anns an earrann de’n dùthaich a tha air taobh deas Uisge Fùir, ged tha ainmean nam bailtean fearainn ùra ’nam facail Bheurla Shasunnaich, tha earrann mhòr a dh’ainmean nan sean bhailtean ’nam facail Ghàidhlig. Chaill a’ chànain Ghàidhlig greim air an dùthaich air taobh deas Uisge Fùir agus air taobh an ear na roinn a tha air taobh tuath an uisge cheudna. Tha meud na dùthcha a bha foidhpe fhathast cho mòr ri meud na dùthcha a chaill i; ach tha an roinn a th’aice bochd, bochd, an coimeas ris an dùthaich a chaill i. [TD 332] ’S e aobhar sònruichte dol fodha na Gàidhlig anns a’ Mhachair Albannaich: tighinn a steach nan Lochlannach borba air feadh nan eileanan siar agus taobh an iar na h-Albann agus taobh an ear na h-Eireann. Am feadh a bha ’n strìth a’ mairsinn eadar na Gàidheil is na Lochlannaich chaill na Gàidheil roinn d’an cumhachd agus dh’fhannaich an greim, seal, air an dùthaich a tha air taobh an ear is taobh deas na h-Albann. Agus mu’n d’fhuair iad air ais an cumhachd an Eirinn is mu’n do thòisich iad air sgaoileadh am mach a rithis, fhuair na h-Anglaich làmh an uachdair anns an taobh an ear-dheas a dh’Albainn. Faisg air an àm sin thàinig na Normanaich a steach do Shasunn, thug iad buaidh air na Sasunnaich agus dh’fhògradh mòran de na Sasunnaich gu Albainn far an robh Bànrighinn Shasunnach an Dùn-Eideann. Chuir ise fàilte rompa, agus nochd i taobh blàth riu; agus thug i mu’n cuairt gu’n d’fhuair iad àitean seasgair air a’ Mhachair Ghallda. Bha iad so air an leantainn le Normanaich a bha air an toirt thairis gu h-anabarrach do shìneadh am mach an làmhan a ghlacadh cuid feadhainn eile. Mar is dual do dhream a thàrmaich an dùthaich far an robh fearann maith agus bailtean mòra, bha iad so seòlta; agus an ceann aimsir tholl iad a stigh gus an do chuir iad gu taobh mòran de na h-uaislean a bha ’san dùthaich rompa aig an robh a’ Ghàidhlig mar chainnt. Tha an ni ceudna a’ dol air aghaidh air an là ’n diugh anns a’ Ghaidhealtachd, a réir mo bheachd, dìreach mar a chaidh e air aghaidh anns an aimsir chéin; agus mur b’e is gu’m bheil monaidhean àrda agus lochan fada ann, agus gu’m bheil am fearann bochd, bhitheadh a [TD 333] Ghàidhlig marbh o cheann fada. Air a’ mhachair Ghallda chaidh a’ Ghàidhlig as gu luath, gu sònruichte ’san àirde-’n-ear is am meadhon na Galldachd. Cha b’ i a’ Ghàidhlig a bu chànain dhùthchasach aig na Goill; agus cha robh i mòran linntean suidhichte ’sa Ghalldachd. Air an aobhar sin tha e furasd a thuigsinn nach bitheadh e duilich cur as dith le cànain eile, na’m bi sud a’ chànain a bh’aig na riaghladairean. Is glé choltach nach robh cànain nan Cruithneach is nan Cuimreach air dol eug aig àm tòiseachadh do’n Bheurla Shasunnaich a bhuadhachadh. ’S e an nì sònruichte a chum a’ Ghàidhlig ’san taobh tuath o dhol as: an dol ’s an tighinn a bha eadar Eirinn is a’ Ghaidhealtachd Albannaich gu ruig linn an Ath-leasachaidh. Cha d’rinn spiorad an Ath-leasachaidh mòran drùghaidh air muinntir na h-Eireann, is dh’fhan iad an Eaglais na Ròimhe. Dh’ fhàg Goill na h-Albann, air a’ chuid bu mhò, an eaglais sin, agus an ceann aimsir lean na Gàidheil an eiseimpleir. Cha d’rinn teachd a steach nan Normanach do Eirinn mòran mùthaidh air inbhe na Gàidhlig an Eirinn; ach ri linn Ealasaid is Cromuill rinneadh beàrn mòr innte; agus o’n àm sin dh’ fhannaich an càirdeas a bha eadar Albainn is Eirinn. Roimh àm milleadh a’ bhuntàta, bha a’ Ghàidhlig mar chànain aig a’ chuid bu mhò de’n t-sluagh Eireannach. Thàtar ag ràdh nach ’eil os cionn lethcheud bliadhna o na bha Gàidhlig mu fhichead mìle o Bhail’-ath-cliath. Ach o’n àm sin chaidh luchd-labhairt na Gàidhlig an gainnead ’s an gainnead, gus an diugh nach ’eil iad mòran os cionn 600,000 neach. [TD 334] Cha do chuir an t-Ath-leasachadh bacadh air a’ Ghàidhlig an Albainn. Bha’n t-Ath-leasachadh ’na mheadhon air a’ chànain a chumail beò. Bu léir do’n chléir ùir nach biodh mòran buaidh air an Ath-leasachadh ’sa Ghàidhealtachd ach troimh ’n chànain dhùthchasaich. Air an aobhar sin bha aig an Eaglais Albannaich ministirean a’ frithealadh do’n t-sluagh Ghàidhealach ’nan cànain féin o’n àm sin gus an là ’n diugh. Bha so ’na chuideachadh mòr gu a’ chànain a chumail beò. Ach tri fichead bliadhna roimh an àm a tha’n làthair, thàinig an Dealachadh anns an Eaglais Albannaich, agus a nis tha’n earrann is mò de’n t-sluagh Ghàidhealach de’n Eaglais Shaoir. Tha’n Eaglais sin air a cumail a suas le cuideachadh o’n Ghalldachd. Mar sin, cha’n ’eil na ministirean neo-eismeileach mar a tha muinntir na h-Eaglais Stéidhichte. Taobhaidh na ministrean ri rùintean nan Gall nach ’eil idir càirdeil do’n Ghàidhlig, agus, uidh air n-uidh, fàsaidh iad fuar d’a taobh—a’ cumail am mach fear an so is fear an sud. Tha na ministirean air am fòghlum ’sa chànain Shasunnaich, gun fhòghlum idir ’nan cànain dhùthchasaich; agus tha iad air an aobhar sin gun déigh air bith aca oirre. Is gann iad ’nan measg is urrainn a’ Ghàidhlig a sgrìobhadh maith gu leòr air son a cur an clò. Is truagh an sgeul sin, oir dh’fhaodadh iad bhi ’nan cuideachadh mòr do chumail suas na Gàidhlig is an seann spioraid Ghàidhealaich. Is ioghnadh leam nach ’eil an Eaglais Stéidhichte a’ deanamh oidhirp air na Gàidheil a thàladh air an ais dith féin troimh ’n spéis a th’aig an t-sluagh fathast d’an cànain dhùthchasaich. A thaobh nan [TD 335] Eaglaisean Saora, a réir coltais, is miann leo cur as dith. Ni eile a chuidich gu mòr gu cur as do’n Ghàidhlig ’sa Ghàidhealtachd Albannaich. Chaidh na h-uaislean an tòir air gnothuichean is àbhaistean nan Sasunnach. Chaith iad an cuid a’ feuchainn ri cumail suas ris na Sasunnaich, agus b’éiginn daibh an oighreachdan a reic do’n choigreach. Tha iad so—na coigrich, agus na h-uaislean dùthchasach a tha leantainn àbhaistean nan coigreach—a’ milleadh an t-sluaigh le baoth-shuairceas a tha gintinn miodail, ’s neo-eismeil ’nam measg, agus dubhailcean eile nach ’eil Gàidhealach. An àite neo-eismeileachd, fialachd, fearalas, spionnadh is misneach is brochan, gheibhear miodal, brosgul, déigh air airgead, anfhannachd, gealtachd is tea. ’S e ’n leigheas is fèarr gus na dubhailcean ud a ghlanadh á càil nan Gàidheal: eòlas air eachdraidh, cànain, ceòl is litreachas nan Gàidheal a leudachadh ’nam measg—gu sònraichte eachdraidh nan linntean ud nuair a bha na Gàidheil ’nan sluagh cumhachdach, ealanta, ionnsuichte. Cha bhiodh e ’na chall fuathasach mòr ged a dhubhadh as gu buileach eachdraidh nan linntean sin nuair a bha Clanna nan Gàidheal ’nan sluagh borb, fo smachd aig uaislean sanntach a bha cur am mach air a chéile mu ghnothuichean a bha gu tric glé shuarach, ’s nach robh a chum feum air bith do’n t-sluagh a bha fodhpa. Cha mhò bhiodh e ’na chall mòr na’n leigteadh air dì-chuimhne na linntean deireannach ud nuair a rinn na Gàidheil dearmad air an gnothuichean féin ’s a dh’fhalbh iad aig earball an t-Sasunnaich a chogadh an aghaidh daoine geala, dubha, ’s ruadha nach d’thug aobhar [TD 336] oilbheim daibh riamh, ach a bha dìreach a’ dìon an còirichean féin mar bu dual ’s mar bu dligheach. Agus có ’s urrainn, le fìrinn, a ràdh nach d’fhuair na Gàidheil an dìol a thoill iad: an còir air an fhearann a shlad uapa agus an athraichean ’s am màthraichean air am fògradh gu iomallan an domhain. Tha iomadh linn air dol seachad o na thòisich an Gàidheal air bhi amaideach, socharach, so-mheallta; agus gus an là ’n diugh is gann a tha e air tòiseachadh air bhi glic a rithis ’s a chòir fhéin a thoirt am mach, a dhìon ’s a chumail; is cha bhi e air fìor-thòiseachadh air bhi glic gus an ionnsuich e nach e gabhail air obair, nach dean rùnachadh gnothuichean mòra bonn stàth dha gun a làmh a chur annta—nach dean teine fo’n phoit ach toit gus an téid aobhar broit a chur innte. Cha do thog eismeil, bleid, no miodal sluagh riamh o inbhe iosail gu àrd-inbhe. Cha tig sàr-obair gun sìor-obair. Cha tig ealain gun chleachdadh. Is iomrallach triall fo sheòladh an aineolaich. Agus cò a tha aineolach ach esan nach deach riamh, ’s nach miann leis dol, an rathad a bu mhath leis feadhainn eile a ghabhail. Air an aobhar sin, seachnadh an Gàidheal an treòraiche aineolach agus, gu seachd sònruichte, esan anns am bheil an cridhe Gallda ’sa chom Ghàidhealach. Is lìonmhor a sheòrsa-san ’san linn a tha’n làthair: ’s is furasd an aithneachadh: cha’n ionnsuich iad a’ chànain Ghàidhlig—an canain mhàthaireil—a sgrìobhadh; ach ni iad bòilich mhòr innte is aiste, a mheallas an t-sluagh d’am buin i. [TD 337] FORMER GAELIC MOVEMENTS IV. [Beurla] [TD 338-351] [Beurla] [TD 352] [Beurla] NA GOILL ANN AN LEODHAS (1) RE iomadh linn, bha sluagh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan air amharc orra mar dhaoine borb, neo-thuigseach, agus, bho àm gu àm, bha oidhirpean air an toirt le luchd-ùghdarrais na rìoghachd gus an cìosnachadh, agus an toirt a stigh leis a’ làimh-làidir gu dòighean agus gnàthan nan Gall. Bha spiorad àrdanach, gaisgeil anns na Gàidheil, agus cha b’e an fheala-dhà eadhoin do fheachdan a’ Chrùin an toirt fo cheannsal. Gu dearbh, cha do shoirbhich riamh le ionnsuidh a thugadh gus an deanamh còir Gallda a dh’aon bheum. Tha mi ’cur romham iomradh a thoirt air mar a dh’éirich do na Fiofaich a ghabh os laimh ri àm Righ Seumas VI. cleachdanna nan Deasach a sparradh gun taing air muinntir an Eilein Fhada. (1) Fhuair am paipear so a’ cheud duais a chaidh thairgsinn leinn air son Seann Eachdraidh. [TD 353] Ged a bhuineadh na h-Eileanan a thaobh ainm do Chrùn Albainn, bha iad da-rìreadh fo smachd agus fo riaghladh nan cinn-feadhna aig an robh ùghdarras thairis air na fineachan Gàidhealach bho shìnnsireachd. Beagan roimh ’n àm a th’againn ’nar beachd, chaidh na cinn-chinnidh so ann an comh-bhoinn bho cheannas an Dòmhnullaich chumhachdaich sin, Dòmhnull Gorm Shléibhte, aig an robh an t-ainm uasal, Tighearna nan Eileanan. Bha esan ga mheas fhéin cho beag an eisimeil Crùn Albainn is gu’n do chuir e, aig aon àm, fios diongmhalta gu Ban-righ Ealasaid a’ tairgse cuing Righ Albainn a thilgeadh dheth, agus a bhi dìleas dh’ise agus d’a seirbhis “air chùmhnanta agus air gheallanna reusanta”. (1) Ged nach d’fhuair an litir aige móran éisdeachd, tha i ’nochdadh gu soilleir gu’n robh suidheachadh nan Eileanan glé bhruaidleanach ’nuair a bha mac Ban-righ Màiri a’ rìoghachadh. Cha’n e mhàin gu’n robh an sluagh neo-umhail do’n Ard Uachdaranachd, ach bha cònnsachadh agus cath gu tric ’nam measg fhéin mu thimchioll air sloinntireachd agus air ceistean cudthromach eile. Bha Righ Seumas VI. agus a luchd-comhairle anabarrach déigheil air na h-Eileanan a thoirt gu sìochaint agus gu riaghailt. Ach, bha so na b’usa ghuidhe no dheanamh. Cha robh e idir soirbh dhaibh ìnnleachd a dheilbh air son na bha ’nam beachd a thoirt gu buil. Mu dheireadh, chaidh a shocrachadh gu’n rachadh àireamh mhaith de Dheasaich, a bhiodh a suas ri àiteach agus ri iasgach, a shuidheachadh ann an Leodhas le dùil agus dòchas (1) Faic Pict. Hist, of Scot., le Taylor, L. ii., t. 374. [TD 354] gu’m biodh an eisimpleir aca ’na meadhoin air na fineachan a dheanamh stéidheil, crìonta, ciallach, agus toileach saothrachadh gu dìchiollach le lìon agus le ceaba. Bha’n t-àm sealbhach air son a leithid de ghnothach, oir bha ùpraid agus aimhreit am measg nan Leodhasach iad fhéin. B’e Ruairidh MacLeoid a bu cheannard air an Eilean ach beag gu buileach, agus bha i ’na ceist nach robh furasda fhuasgladh có d’a chuid mhac a bhiodh ’na oighre air. Bha e pòsda tri uairean. Bha amharas làidir aige nach robh a cheud bhean—nighean do Mhac Coinnich Chinn-tàile—dìleas dha, agus chuir e bhuaithe i. Cha do ghabh e riamh ri a mac, Torcall; agus, tha e cinnteach gu’n d’aidich Uisdean Mac Ille-mhoire, Breitheamh Leodhais, gu’m b’esan a b’athair do’n ghille. An t-aideach so rinn e sa bhliadhna 1566, agus e air leabaidh a bhàis. Chaidh an t-òganach a thogail le Cloinn Choinnich, muinntir a mhàthar, ann an Srath Chonain, agus theirte ris, ’nuair a thàinig e gu aois, Torcall Conanach. Leis an dàra mnaoi, bha mac aig Ruairidh, ach chaidh a bhàthadh glé òg. Phòs an laoch treubhach an treasamh uair—an turus so Seonaid, nighean do Lachann Mòr Dhubhairt—agus leatha so bha dà mhac aige, Torcall Dubh agus Tormoid. A bharrachd air a’ chloinn dhlighich, bha cóignear de mhic dhìolain aige—Dòmhnull, Ruairidh Og, Niall, Tormoid Uigeach, agus Murachadh—agus thàinig gach fear dhiubh gu aois agus inbhe duine. Chaochail Ruairidh aig aois ceithir-fichead bliadhna agus deich, agus, mar bu dùth is mar bu dual, thàinig a mhac Torcall Dubh a stigh ’na àite. Cha b’fhada [TD 355] shealbhaich esan an oighreachd; oir, air dha a bhi air tir-mór a’ cath ri Torcall Conanach, chaidh a ghlacadh agus a liubhairt thairis do MhacCoinnich Chinn-tàile, a spàrr gu grad an ceann dheth. An earbsa ri ’leth-bhràthair, Niall, dh’fhàg e triuir mhac òga; agus, gus an tigeadh an t-aon bu shine dhiubh gu inbhe, bha riaghladh an Eilein ann an làmhan Nèill. B’e Murachadh, bràthair Nèill, a chaidh a ghabhail còmhnuidh ann an Caisteal Leodhais. So an suidheachadh anns an robh Eilean an Fhraoich ’nuair a rùnaich an Righ agus a luchd-comhairle gu’n suidhicheadh iad prasgan Ghall am measg an t-sluaigh, mar bheagan de thaois ghoirt a bha gus am meall uile ghoirteachadh. Bha tighearn fearainn no dhà ann an Fiofa a bha déigheil air seilbh fhaighinn anns na siorramachdan tuathach, agus de gach àite air an robh iomradh aca, b’e Leodhas an roghainn. Bha e air ìnnseadh dhaibh gu’n robh an t-eilean sin anabarrach torach agus saibhir. Chuala iad gu’n toireadh e seachad bàrr math de choirce agus de eòrna; agus, bha foirbhis aca gu’n robh e pailt ann an spréidh, an caoirich, an gobhair, agus an eich. Bha iad a’ creidsinn gu’n robh òr ri ’fhaighinn le cladhach air a shon anns na h-Earradh; agus, ar leo, nam faigheadh iad còir air a bheag no mhór a dh’fhearann anns na cearnachan ud, gu’n deanadh iad fortan a chur cruinn an ùine glé ghoirid. Choinnich Pàrlamaid ann an Dùn-éideann san Dùdlachd, 1597, agus rinn i dà Achd a bha ’bualadh glé throm air na Tuathaich. Bha’n ceud fhear a’ cur an céill gu’n robh a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a nis air an ceangal ris a’ Chrùn agus ’n [TD 356] an cuid de earras an Righ. Bha e air ainmeachadh gu’n robh an luchd-àiteachaidh a’ deanamh dearmad air màl a phàigheadh, no obair mòrlanachd a deanamh, agus, an lorg sin, gu’n robh an dùthaich gu buileach air bheag buannachd. Air son nan aobharan so, bha e air àithneadh agus air òrduchadh do gach tigheara fearainn, ceann-cinnidh agus neach eile a bha ag agairt còir air fearann, iad fhéin a nochdadh ann an Dùn-éideann roimh ’n ath Bhealltainn, a chum an còirichean a dhearbhadh agus urras a thoirt seachad air son an cuid màil san ùine bha air thoiseach. Mur a tigeadh iad air an aghaidh, bhiodh gach fearann a bhuineadh dhaibh air a ghlacadh leis a’ Chrùn. Bha’n dàra Achd a’ toirt cumhachd seachad trì bailtean a thogail—aon ann an Ceann-tìre, aon ann an Lochabar agus aon ann an Leodhas. Cha d’ùmhlaich Leodaich Leodhais agus na h-Earradh iad fhéin do luchd-gnothaich an Righ aig a’ Bhealltainn, agus gu grad chaidh an cuid fearainn a ghairm glacta leis a’ Chrùn. Bha so a’ toirt cothrom do’n Phàrlamaid, le sàmhladh ceartais, air buintinn ri Leodhas dìreach mar a chitheadh i iomchuidh. Chaidh Comunn a chur air bonn air son dol do Leodhas agus tuinneachadh a dheanamh ann. B’e Diùc Lennocs a bu duine agus a bu dithis air cùl a’ ghnothaich, agus b’iad a chuid chompanach Pàdraig, aig an robh Lindores in commendam; Seumas Learmonth, Balcomi; Sir Seumas Anstruther, oighre Anstruther; Seumas Spens, Uormston; Sir Seumas Sandiland, Slamanno; Caiptin Uilleam Moraidh; Iain Forret, Fionngasc; Uilleam, aig an robh Pittenweem in commendam; Dabhaidh Home, Wedderburn, agus [TD 357] Sir Deorsa Home, Wedderburn. Chaidh cùmhnantan mionaideach a tharraing am mach eadar an Comunn so agus luchd-comhairle a’ Chrùin. Bha iad ri seilbh fhaotainn air Leodhas agus air Ròna a bhuineadh do na Leodaich; agus, mar an ceudna, air Tròtairnis (san Eilean Sgitheanach), a bhuineadh do Mhac Dhòmhnuill Shléibhte. Chuir iad iad fhéin fo fhiachaibh ceithir eaglaisean agus baile ’thogail ann an Leodhas agus dà eaglais ann an Ròna. Bha iad gus gach meadhoin a chleachdadh gu sìochaint agus deagha riaghailt a stéidheachadh am measg an t-sluaigh. B’e am màl a bh’aca ri phàigheadh gach bliadhna,—air son Leodhais agus Ròna, seachd fichead salldair eòrna, agus air son, Thròtairnis, ceithir cheud mearc. Cha robh màl ri iarraidh orra ré nan ceud sheachd bliadhna, agus bha Diùc Lennocs air a shònrachadh mar fo-uachdaran air Leodhas. Bha an Righ ri dol am mach air ceann feachd “air son Ceann-tìre agus ceàrnachan eile de na h-Eileanan, agus de’n Ghàidhealtachd a thoirt gu ùmhlachd,” agus b’ann air an 20mh de’n Lùnasdal, 1598, a bha’n bhuidheann chogaidh ri cruinneachadh aig Dùn-breatunn. Thàinig an latha, agus, mar an ceudna, an Righ; ach bu bheag guth a bh’aige air cath a dheanamh ri neach sam bith. Chuir e dàil anns an iomairt, agus an sin thill e dhachaidh gu sàmhach do Dhùn-éideann. Cha robh dad de thlachd aige-san, gu pearsanta, ann am beartan claon, no ann an aimhreit gun stàth. Faodar a thuigsinn gu’m b’olc a chòrd gniomh agus rùn an Righ ris na Fiofaich aig an robh an sùil air Leodhas. Thuig iad agus chreid iad nach robh esan ag aontachadh ach air sgàth sgoinne leis a’ [TD 358] cheum a bha mhiann orra ghabhail. Coma co-dhiù, cha robh e dhìth orra an cothrom a fhuair iad a leigeadh seachad gus am faiceadh iad a’ chuid a b’fhaide. Se a thachair gu’n do theann iad am mach air an turus dh’ionnsuidh an Eilein Fhada air an 20mh de’n Dàmhar, 1598. Cha robh a’ chuideachd idir beag no suarach. Bha innte cóig no sia ceud saighdear, àireamh mhór de luchd ceird, agus còmhlan de uaislean òga a dh’fhalbh mar shaighdearan saor-thoileach. B’e an ceud ghnothach air an d’thug iad ionnsuidh séisd a chur le mór fharum ri Caisteal Leodhais; agus b’e deireadh na cluich gu’m b’fheudar do Mhurachadh agus d’a mhuinntir an ruaig a ghabhail. Shaoil le luchd na Beurla gu’n robh an latha leo. Thòisich iad air togail thaighean, agus bha e ’nam beachd baile beag a chur air bonn. Mu’n d’fhuair iad ro fhada air an aghaidh leis an obair fheumail so, thàinig an geamhradh, agus, ’na lorg, dh’fhuiling na Goill móran deuchainn agus cruadail Dh’fhàs am biadh glé ghann, agus eadar fuachd agus acras, bha’m bàs trang ’nam measg. Thòisich na Leodhasaich aig an àm cheudna air a bhi ladurna agus connspaideach. Bha Niall MacLeoid agus a bhràthair Murachadh a ghnàth air son fàth a ghabhail orra. Bha Seumas Learmonth, Balcomi, mar a bha e air a shlighe gu Leodhas, air a ghlacadh le Murachadh, agus air a ghleidheadh ’na phrìosanach fad sia mìosan. Bha e’n sin air a leigeadh m’a sgaoil, air dha gealltainn gu’m pàigheadh e éirig iomchuidh. Cha robh e riamh ’na chomas an éirig a dhìoladh, oir shiubhail e ann an Areamh mar a bha e air a thurus dhachaidh. Cha b’iad na Leodaich a mhàin a bha’n [TD 359] droch rùn do na Fiofaich, ach mar an ceudna MacDhòmhnuill Shléibhte, MacCoinnich Chinn-tàile, agus móran de thriathan Gàidhealach eile, air an robh iomaguin, nuair a gheibheadh na coigrich taod, gu’n iarradh iad teadhair. An ath bhliadhna, air do na Goill Leodhas a ruigheachd, dhùisg easaontachd eadar na bràithrean, Niall agus Murachadh MacLeoid, agus cha’n fhac iad beart a b’iomchuidh no chùis a bha tighinn eatorra a leigeadh gu ràdh nam biodag. Bha chuid a b’fhearr de’n chaonnaig aig Niall, agus bha Murachadh, maille ri ’dhà dheug d’a luchd-leanmhainn air an deanamh ’nam prìosanaich. Thar an dà fhear dheug so, chaidh na cinn a ghearradh gu grad, ach bha car eile aig Niall san amharc a thaobh a bhràthar. Chaidh e ann an ceann beagain ris na Fiofaich, agus thairg iadsan, nan liubhradh e Murachadh thairis dhaibh-san, gu’m faigheadh iad bho’n Righ saor mhaitheanas do Niall air son gach cionta a bha ri ’chur ás a leth, agus mar an ceudna, còir laghail, chinnteach dha air roinn shònraichte de’n eilean. An còrr cha d’iarr Niall, agus gun dàil bha Murachadh ann an glacaibh teann nan Gall. Chaidh an gaisgeach calma a chur air falbh do Dhùn-éideann ann an iaruinn, agus buidheann shaighdearan ri faire thairis air. Ann am broilleach na cuideachd bha Niall, agus cinn an dà-fhear-dheug a linn cath le ’bhràthair aige ann am poca, los an càramh fa chomhair an Righ. Fhuair an còmhlan gabhail riu gu math ann an Dùn-éideann, agus cha deachaidh nì a ghealladh dha a chumail air ais bho Niall. Air son Mhurachaidh bhochd, chaidh a ghiulan do Chill-rìbhinn, a thoirt m’a choinneamh luchd-breith, ’fhao- [TD 360] tainn ciontach agus a chur gu bàs. Nuair a bha e ’na laidhe am prìosan a’ feitheamh na binne bhi air a cur an cleachdadh, rinn e aidmheil, agus chur e ás leth MhicCoinnich Chinn-tàile gu’m b’e a dh’fhùdaraich esan agus a bhràthair an aghaidh nam Fiofach. Air tàilibh na h-aidmheil so, chaidh MacCoinnich a ghlacadh agus a ghlasadh a staigh ann an Caisteal Dhùin-éideann. Ach, bha Iarla Mhontròs ’na charaid air a chùl, agus, le còmhnadh a’ mhoraire sin, fhuair e briseadh am mach agus teicheadh dhachaidh. Cha robh e an dùrachd móran na b’fheàrr, no bha e roimhe do thuathanaich ùra Leodhais an déigh na sgrìob ud a thoirt, d’a aindeoin, do cheanna-bhaile na rìoghachd. Cha’n e chur am prìosan dòigh is fheàrr air duine dheanamh sìtheil agus dìleas do’n Chrùn. Ma bha fiughair aig na Goill gu’n robh mil air gach mèis san Eilean Fhada, bha barail eile aca mu’n robh iad móran ùine air feadh nan “lochanan bòidheach, nan òban’s nan caol”. Cha do thaitinn tuar an fhearainn riu ro mhath; agus, air son na sìde a dh’amais orra anns an cheud gheamhradh, thug i bàrr air na dh’fhiosraich iad riamh. Bha sluagh na dùthcha gnù, gruamach, agus a réir coltais, bha iad borb, nàimhdeil, mar an ceudna. B’ànnsa leo an claidheamh na’n ceaba, agus bha e soilleir nach robh uapa ach an cothrom air son a bhi am brusg nan coigreach. Bha gu leoir de mhòintich air gach taobh, ach aon chraobh cha robh ri faicinn. Ma bha òr sna h-Earradh, bha e air a dheagha ’ghleidheadh am falach. Bu choltaiche an t-àite ri tìr an acrais na ri tìr a’ phailteis. Cha robh cabhag sam bith air an fho-uachdaran [TD 361] Lennocs gu cobhair a dheanamh air a chàirdean. Gu dearbh, cha d’rinn Lennocs nì sam bith a nochdadh gu’n robh sùim idir aige do na h-Eileanan Tuathach, no gu’n robh ’na bheachd an dleasannas a ghabh e os làimh a choimhlionadh d’an taobh. Bha beagan reusain air a shon so. Cha robh e furasda na h-Eileanaich a thoirt fo smèig ach a mhàin leis a’ chlaidheamh. Bha so a’ dol na bu shoilleire agus na bu shoilleire h-uile latha. Bha e fàs glé dhuilich feachd làidir a thogail a bhiodh cinnteach na Leodhasaich agus na dh’fhaodadh éireadh leo a cheannsachadh. Bha sluagh na Galldachd a nis aig sìth agus suaimhneas ’nam measg fhéin, agus bha iad sgìth de bhi air an gairm am mach bho àm gu àm an aghaidh dream ris nach robh cuid no gnothach aca. Bha iad a’ cur rompa nach biodh iad, anns an rathad ud, ’nan gillean-flipidh na b’fhaide aig na h-uachdarain. Làn na beannachd dhaibh! Bha na Goill aig an àm sin móran na bu ghlice agus na bu toinisgeala na bha clanna nan Gàidheal ceud gu leth bliadhna ’na dhéigh sud. Anns an ochdamh linn deug chaidh sluagh na Gaidheal a liodairt, a sgiursadh agus a chreachadh le feachdan Shasuinn, agus m’a dheireadh chaidh an toirt fo chìs agus fo smachd. Ciamar a ghiulain iad iad fhéin an déigh na tàmailt so a thàinig orra? Amhuil mar dhroch coin a gheibheadh gu leoir de’n t-slait agus a thionndaidh air ball a dh’imlich nan làmh a bha buintinn cho neo-chaoimhneil riu, ghabh sliochd nan sonn ann an Arm Shasuinn gu grad—eadhoin ’an ath bhliadhna—agus theann iad air falbh a dheanamh cath, ás leth Shasuinn, ri rìoghachdan a bha riamh càirdeil, bàigheil ri Albainn. Thòisich iad, [TD 362] mar shluagh, ri sodal agus miodal a dheanamh ri’n seann nàmhuid, an Sasunnach; agus, chaill iad an spiorad uaibhreach, àrdanach a bhuineadh dhaibh; ionnas nach d’thuirt iad guth mór no droch fhacal nuair a chaidh an cuid fearainn a thoirt uatha, agus am fàrdaichean a losgadh mu’n cluasan,—’nuair a chaidh an òrduchadh air falbh bho dhùthaich an sìnnsre agus am “fuadach thar sàile mar bhàrrlach gun fheum.” (R’a ’leantainn.) A. MACEANRUIG. MAR A DH’EIRICH CUID DE NA SEAN-FHACAIL II. THA mòran de na Sean-fhacail a’ leigeil ris gu’n robh na seana Ghàidheil làn de dh’fheala-dhà, agus gu’n, robh iad a’ meas gu’n gabhadh cuid mhath de eòlas a thoirt seachad eadar feala-dhà is da-rìreadh. Ma’s fior an sgeul, bha sionnach agus madadh-allaidh a’ triall còmhla madainn a bha sin, is faicear; iad asail ag ionaltradh air lèanag uaine. Tharruing iad dlùth air an asail, agus ars’ an sionnach ris a’ [TD 363] mhadadh-allaidh—“Mur ’eil mo shùilean ’g am mhealladh, tha sgriobhadh neònach air bròg dheiridh chlìth na h-asail: rach an taobh a tha i agus leugh dé th’ann, oir is sgoilear thu. Cha d’fhuair mi fhéin a bheag de’n sgoil riamh.” Bha am madadh-allaidh cho pròiseil gu’n d’fhuair e urram na sgoilearachd, gu’n deach e ’n taobh a bha’n asail, a bhuail breab ’sa chlaigionn air a chuir an t-eanchainn as. Nuair a chunnaic an sionnach mar a thachair, labhair e na briathran a tha nis air an suaineadh am measg nan sean-fhacal—“Cha’n ’eil mi ’m sgoileir: ’s cha’n àill leam a bhi’, mar thubhairt am madadh-ruadh ris a’ mhadadh-allaidh”. Cha’n ’eil an so ach h-aon de na ficheadan naigheachd a tha air aithris air seòltachd an t-sionnaich. Latha bha siud, ghlac sionnach geadh glas air sgéith, a thuit a bhi ’na chadal aig taobh an locha. ’Nuair a bha e aige, is greum aig air sgiath air, thòisich an geadh ri gànraìch is ri ainstil mhóir. Thubhairt an i sionnach is e ri sgailleas, “A nis nan robh mise agadsa ’nad bheul, mar tha thusa agamsa, innis dhomh ciod a dheanadh tu?” “Ma ta,” ars’ an geadh, “cha’n ’eil e duilich do cheisd a fhreagairt. Phasgainn mo làmhan, dhùininn mo shùilean, dheanainn altachadh, agus an sin dh’ ithinn thu.” “Ro mhath,” ars’ an sionnach, “sin dìreach a tha mi dol a dheanamh, agus a’ pasgadh a làmhan, dhùin e shùilean is le aghaidh stuama stolda, rinn e altachadh cràbhaidh.” Ach fhad ’sa bha sùilean an t-sionnaich dùinte, sgaoil an geadh a sgiathan, is bha e leth an rathaidh [TD 364] thar an loch mu’n d’fhosgail am fear a bha ris an altachadh a shùilean. Nuair a chunnaic an sionnach nach robh aige ach “an gad air an robh an t-iasg,” agus gann sin fhéin, thubhairt e—“Ni mi ’na riaghailt e ’na dhéigh so fad uile laithean mo bheatha gun an t-altachadh a ràdh gus am bi am biadh blàth ’nam ghoile”. Có a nis nach tuig an sean-fhacal—“Is fearr a bhi cinnteach na bhi caillteach”. “IS FURASDA BUILL’ AN TREUN-FHIR AITHNEACHADH.” Thuit do shionnach gur dhraighinn fhaicinn agus bha leis gu’m biodh iad blasda nan d’fhuair e iad. Dh’fhaodadh aon no dhà dhiubh a shàsachadh, ach bha mhiann anns an draighinn e fhéin agus ochd-mhic-dheug, agus bha iad uile cho coltach r’a chéile nach aithnicheadh e an t-athair o’n chlann. “Ma mharbhas mi h-aon no dhà de’n teaghlach,” ars’ an sionnach, “gabhaidh athair na muirichinn rabhadh agus teichidh e-fhéin is an còrr de’n t-sliochd. B’fheàrr leam gu’n robh fhios agam có an t-athair.” Thòisich e ri cùisean a chnuasachadh, agus ’se bh’ann gu’m fac e iad uile anns an t-sabhull a’ bualadh. Shuidh e tacan a’ gabhail iolla riu. Mu dheireadh ars’ esan— “Is furasda buill’ an t-seann-laoich aithneachadh.” “Bha làtha dha sinn—ach cha tuig iadsan, na garraich—ach is suarach mise seach mo sheanair,” fhreagair athair na muirichinn gu bòsdail. So na bha dhith air an t-sionnach. Rug e air an “t-seann-laoch,” is chuir e car ’na amhaich, is na dhéigh sin, cha robh e fada a’ glacadh a chòrr. [TD 365] Is fheudar gu’n do thachair so uile “’Nuair bha Gàidhlig aig na h-eòin, ’Sa thuigeadh iad ceòl nan dàn,” agus cha’n ’eil teagamh nach ’eil an sgeul a leanas a dearbhadh na cùise. Thachair coilleach is sionnach latha bha sin, is thòisich iad air conaltradh. “Có meud cleas a th’agad?” ars’ an sionnach. “Ma ta, bha làtha ’s rachadh agam air a trì, có meud a th’agad fhéin?” ars’ an coileach. “Théid agam air trì fichead ’sa trì-deug,” ars’ an Sionnach. “Ciod iad an fheadhainn air an eòlaiche thu?” ars’ an coileach. “Ma ta,” ars’ an sionnach, “b’abhaist do’m sheanair a leth-shùil a dhùnadh agus glaodh mòr a thoirt as.” “Rachadh agam fhéin air sin a dheanamh,” ars’ an coileach. “Feuch e ma ta,” ars’ an sionnach. Agus dhùin an coileach an t-sùil a b’aisge do’n t-sionnach, agus ’se bh’ann gu’n do rug an sionnach air amhaich air, agus thàr e as leis an deannaibh nam bonn. Ach chunnaic Cailleach-nan-cearc e agus ghlaodh i àird a cinn—“Leig as an coileach, is leam-s’ e”. “Abair thusa,” ars’ an coileach ris an t-sionnach,—“’Se mo choileach fhéin a th’ann”. Dh’fhosgail an sionnach a bheul gus na facail so a ràdh, is ma dh’fhosgail ghabh an coileach an cothrom teicheadh, is thug e air gu mullach tigh-nan-cearc, chaog e shùil ris an t-sionnach is thug e ghlaodh mór as, is cha tug an sionnach an car as riamh tuille. [TD 366] “PORT RAOGHAILL UIDHIR.” Ma’s fior an sgeul ’se piobaire bh’ann an Raoghall. Tha an “Ciaran Mabach” a’ toirt iomradh air a’ phort so. Tha e coltach gur e cladhaire a bh’ann an Raoghall Odhar, agus thuit dha bhi air faiche aon uair nuair is bhuail an t-eagal e, is mar tha fhios againn “Is miosa an t-eagal na’n cogadh”. Leis an eagal, cha b’urrainn dha gaoth a chumail ris a’ phìob, agua ’se bh’ann gu’n do phasg e i, agus thòisich e air port tiamhaidh a sheinn. Nuair a chluinnear neach ag caoidh ’sa gearan air bheagan aobhair, their daoine gu’m bheil e seinn “Port Raoghaill Uidhir”. So cuid de na rannan a tha air mhairean de’n phort ainmeil so— “’Se so an an talamh mi-shealbhach, Tha gun chladach gun gharbhlach gun chòs, Anns an rachainn ga m’ fhalach, Sluagh gun athadh a’ teannadh faisg òirnn. Tha mi tinn leis an eagal. Tha mi cinnteach gur beag a bhios beò, Chi mi lasag an fhùdair, Chluinn mi sgailceadh nan dù-chlach ri òrd! Fhuair mi gunna nach diùlt mi, Fhuair mi claidheamh nach lùb ann am dhòrn, Ach ma ni iad mo mharbhadh Ciod am feum a ni ’n armachd sin dhòmhs’. [TD 367] Ged a gheibhinn-sa sealbh, Air làn a’ chaisteil de dh’airgead ’s de dhòr, Oich! ma ni iad mo mharbhadh Ciod am feum a ni ’n t-airgead sin dhomh-s’?” Ge math na sean-fhacail, fàsaidh daoine sgìth dhiubh, is mar sin tha ’n t-àm sgur. FIONN. THE BOOK OF INVERNESS (1) THIS is an excellent volume of these well-known Transactions; and we have much pleasure in testifying to its merit. The volume consists of eleven papers (all of considerable value and all of great interest), of which, however, two only are in the language of the Gael. The paper by Mr. James MacDiarmid is partly in Gaelic, and might well, and more appropriately, have been entirely composed in the national tongue. The most interesting of these papers is “Sgeulachd Cois o’ Cein,” contributed by Dr. George Henderson, a well-known scholar and an occasional contributor to these pages. It makes fascinating reading, and (1) Transactions of the Gaelic Society of Inverness, vol. xxv., 1901-1903. [TD 368] Dr. Henderson has laid the whole world of Gaelic letters under a great debt of obligation by reason of his clear and scholarly transcription of this famous sgeul. “It is,” he says, “one of the most considerable specimens of Gaelic prose”; and we agree with him that it is “well worthy of study, from the point of view as well of language as of theme”. For our own parts we can justly say that we have derived as well profit as pleasure from the exhaustive study we have made of it. “The diction,” says Dr. Henderson, “well illustrates the present state of Gaelic prose narrative. Though it shows a few corruptions, easily noticeable and not above explanation, it is a transcript of the living speech.” And it is a transcript done in the scholarly fashion we have a right to expect from Dr. Henderson. Some of the expressions in this sgeul are of no small historical and antiquarian interest. “Cuairt agus Cathair” occurs frequently. “Bhuail e beum-sgeithe air an fhaiche, agus ghearr e fòid-comhraig” is curious, and the latter part, to us at all events, novel. MacPherson’s compositions have rendered us all familiar with the “beum-sgeithe,” but the “fòid-comhraig” we were not previously acquainted with. It is a little curious that the advocates of MacPherson never laid hold of their hero’s use of the former expression as tending to prove that he at all events must have had oral experience of genuine Ossianic poetry. To the best of our recollection, however, he does not once mention the “fòid-comhraig”. Whence, we wonder, came this strange custom? The sentence, “chaidh am prionnsa chrùnadh ’na righ an so, agus [TD 369] chaidh cuirm is fleadh a chur feadh gach àite ’s bha àrd thoilinntinn ac’ aig crùnadh an righ” would almost seem to point to the existence of some particular constitutional usage amongst the Gaels. It has a decidedly “elective” flavour about it, and arouses visions of the seven “Earls” and their prerogatives, touching which there has been not a little disputation. Readers of ancient Gaelic poetry will be interested in the “caisteal mòr agus lùchairt àluinn air a tuthadh le clòimh nan eun”. Was this an actual custom, or have we here but a figment of the poetic imagination? The reader will doubtless remember the lines in O’Curry:— “One hundred feet are in Credé’s house . . . . . . . . Its portico with its thatch Of the wings of birds, blue and yellow.” “Cha robh aig an righ ach bàs na beatha,” etc., strikes us as fine; but of a different order is the allusion to the “loth ghlais thapaidh”. Was this the original of our familiar friend the “grey mare”? Certainly, on the occasion of the encounter narrated by the sgeulaiche she proved herself much the better horse! The sgeul abounds in picturesque and interesting allusions to, and descriptions of, ancient Gaelic customs, and we much regret that we have not space at our disposal to treat of them at length. We cannot, however, refrain from one or two extracts: “Chaidh an dinneir air a h-aghaidh ’s gach òl ’s gach mire, ’s gach muirn a b’urrainn an righ leigeil fhaicinn do’n luchd-céird. Nuair a dh’fhàs an righ cridheil [TD 370] le deoch, dh’orduich e ’aon nighean a thoirt a nios a thoirt buidheachais do’n luchd-céird airson mar a rinn iad an gnothach. Thàinig àilleagan an fhuilt-réidh—boinne-fala cho bòidheach sa thig no thàinig. Fhuair i copan òir ’na làimh ’s dh’òl i ann am fion a thoirt taing do’n luchd-céird airson a h-athar a thoileachadh cho maith. Thionndaidh i mach agus dh’fhalbh i. Thòisich iad air òl an so, agus an righ gu h-àraid le ard-thoil inntinn airson na h-ighinne maith a bh’aige, ’s gu’n do fhreagair i e thighinn a lathair choigreach, rud a bha air a thoirmeasg a leithid a dheanadh.” One of the characters in the sgeul loses his mother, and, we are told, “cha robh againn ach a bhi tuireadh sa bròn an sin fad seachduin”. The “three smalls” will be familiar to all readers of Campbell’s Popular Tales; but here we are told that “chuir e ceangal nan ceitheir chaol air”. The “three smalls” were the wrists, the ankles and the waist, we believe; doubtless the neck supplied the fourth. We have already had the “beum-sgeithe” and the “fòid-comhraig”; “crathaibh an t-slabhraidh chomhraig” is the advice, or rather command, tendered by a lady to a male acquaintance who was evidently “spoiling” for a fight. We wish we could afford more space for quotation from, and comment on, this fascinating sgeul; there is not a page of it which is not full of interest. The late Rev. John MacRury contributes “Turus Ruairidh do’n Exhibition,” in which there is much quiet humour. It is, perhaps, a trifle “light” for a grave collection of this kind, but as a Gaelic “human document” it has its uses. The third Gaelic paper is [TD 371-373] [Beurla] [TD 374] A’ BHAN-RIGH NEO-EIFEACHDACH III. A’ GHAIDHEALTACHD IS MAIRI THUBHAIRT mi a cheana nach robh eòlas aig Màiri air a’ Ghàidhealtachd. Ach a thaobh na puinc so, is éiginn duinn cuimhneachadh nach robh barrachd eòlas aig a sinnsre air a sin na bha aig a’ Bhan-Righ féin. Ghabh aon no dhà de na Stiubhartaich sgriob a nall do’n Ghàidhealtachd roimh so, agus thug iad iomadh oidhirp, o àm gu àm, gus a cannsachadh; ach dh’fhairtlich sin orra fad mòran bhliadhnaichean, agus mu dheireadh, nuair a thug iad buaidh oirre, agus a thug iad Mac Dhòmhnuill—Righ nan Gàidheal—gu làr, cha robh ach leth shoirbheachadh aca anns a’ chùis. Am bitheantas, cha b’àbhaist do na Stiubhartaich a bhi dol fad air falbh o’n daingneach aca an Dùneideann, do bhrigh cor trioblaideach is cunnartach na dùthcha. Am bitheantas, cha robh “barantas an Righ”—mar a theirteadh ris—air ruith idir (gun ghuth air son saor bain), air feadh na Gàidhealtachd. Ghabh an IVmh Righ Seumas sgriob comhla ri feachd is cabhalach mòr do na h-Eileannan—ni anns an robh e air a leantainn le ’mhac—ach ged a bu bhrigh is cuspair do’n triall ud a’ Ghàidhealtachd “a stoladh,” agus rian nan Stiubhartach a thoirt air adhart innte, cha dh’fhàn iad ach car greis anns na ceàrnan ud, agus nuair a theann iad a mach gus an dùthaich féin, cha robh a’ chùis mòran na b’fheàrr na bha i roimh. Air ball, thuit na fineachan air aimhreit a [TD 375] ris, agus thàr na Stiubhartaich féin air falbh o’n Ghàidhealtachd gun a bhi mòran na bu ghlice na bha iad nuair a ràinig iad. Bu chleachdadh leis na Stiubhartaich, nuair a bha Albainn an sith, agus nach robh mòran cogaidh ann—ni nach do thachair ach ainmic—iad féin a dhol comhla ri’n cuirtearan, do’n Ghàidhealtachd airson seilg. Is iomadh iomradh a th’againn an eachdraidh air a’chleachdadh thaitneach so, agus is dòcha gur i àbhaist a bh’ann a bha dualach do’n dùthaich, agus a bha gnàthaichte l’ar righrean o shean—ma dh’fhaoidte o là Fhionn Mac Cumhail fhéin agus a chuid laoich. Coma co-dhiù, rinn na Stiubhartaich mar so cho tric sa b’urrainn iad, agus tha fhios againn gu’n d’rinn an roimh-shealbhadairean a’chrùin is cathair na h-Alba an ni ceudna. Faodaidh a ràdh, anns an dol seachad, nach robh an cleachdadh so ’na dhòigh anabarrach maith air eòlas buanachdail is seasmhach fhaotainn air Gàidhealtachd na h-Alba. Cha robh gu dearbh, ma ghabhas sinn brath air a’ bheag de dh’ùine a chaidh a bhuileachadh leo anns an dòigh so, agus ma chuimhneachas sinn nach robh na righrean an sud idir, ach le’n cead-san a thug cuireadh dhoibh dhol innte. Ach co-dhiù, b’e sin uile an t-eòlas a fhuair na Stiubhartaich air a’ chuid a’s mò de Ghàidhealtachd na h-Alba fad mòran bhliadhnaichean, agus cha robh iad tur mi-fhortanach air son eadhon na h-uiread fhaotainn. Faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh iad gun luchd-innsidh; agus na chaidh a dhith oirnn le cion eòlais, is dòcha gu’n d’thug iad sud air adhart as an inntinn féin! Rugadh Màiri an Leandraic, agus cha robh eòlas [TD 376] sam bith aice air a’ Ghàidhealtachd gus an do chuireadh i air falbh, do bhrigh cor trioblaideach is aimhreiteach na dùthcha, gu Innis-mo-choluim, a bha an “dùthaich nan daoine-fiadhaich,” (1) a réir an Tosgaire Fhrangaich. B’e sin an ceud shealladh a fhuair i riamh dhith, agus, fad mòran bhliadhnaichean b’e sin an t-aon sealladh a mhàin a bh’aice. Ach, air do Mhàiri tighinn air a h-ais do’n dùthaich so, is iomadh sgriob a thug i a null thun na Gàidhealtachd airson a’ cheart aobhar sa thug a sinnsirean thuice roimpe—is e sin ri ràdh airson seilg, air an robh a gaol fhad agus bu bheò i. Gun amharas, thug an leughadair an aire mu trath gu’n d’thubhairt an Tosgair Frangach “dùthaich nan daoine-fiadhaich,” ris a’ Ghàidhealtachd—le pays des sauvages—nuair a bha e toirt iomraidh air an sgriob a ghabh Màiri do dhùthaich nan Gàidheal, is i ’na leanabh. Ciod bu chiall do na facail so? Tha an ràdh ceudna aig an Tosgair Spàinteach (2) nuair a bha e toirt iomraidh air na feartain a bha aig an IVmh Righ Seumas. Thubhairt esan gu’n robh an Righ sin ’na Phrionnsa anabarrach glic is modhail, agus gu’n do dh’ionnsaich e na bu mhotha na sia cànain a bharrachd air a sin a bh’aige o bheul a mhàthar. Agus am measg nan cànain a chaidh ainmeachadh leis, tha a’ Ghàidhlig, “cainnt nan daoine fiadhaich” mar a theirteadh rithe. Ciod bu chiall do na ràitean so, agus carson a thug iad ainm is sloinneadh cho cumanta agus cho mi-chliùiteach do chainnt nam beann? (1) “Dans le pays des sauvages,” Correspondance Politique, t. 204. (2) Ayala. [TD 377] Fad mòran bhliadhnaichean bhuineadh gach seòrsa de dh’eòlas a bha r’a fhaotainn air Tir-mòr na Roinn Eòrpa do na daoine ud ris an canar “na Fir-mhineachaidh”. B’ann do’n Eaglais a bhuineadh a’ chuid a bu mhò de na daoine ud, agus, mu dheireadh, thàinig ar-a-mach ’nan aghaidh, a chionn nach robh mòran a’ còrdadh gu maith leis an dòigh air an robh iad air tighinn air an adhart anns an eòlas. Thilg am fir-cònspaid orra gu’n robh iad a’ cumail an fhoghluim air ais, cha b’ann do bhrigh gu’m b’e am miann sin a dheanamh, ach a chionn nach robh comas aca sin a sheachnadh, do bhrigh an droch rian féin. Mar so, thàinig atharrachadh mòr ann—atharrachadh ris an abrar gus an là an diugh “An t-Ath-bheothachadh”. B’e bonn no stéidh an ath-bheothachaidh iomraitich so ar-a-mach an aghaidh nam Fir-mineachaidh, agus tharruing e a bhrigh is a spiorad a mach as na h-oibrichean Romhanach, mar a bha Oras, Virgil, Cicero, Plini agus iomadh sgriobhadair ainmeil eile mar sin. Chuir so air bonn fasan anabarrach mòr is farsaing air sgath nan Romhanach, ionnus nach robh guth no creideas idir ann saor o sin a thàinig a mach o na h-ùghdairean Laideannach. Ruith a h-uile duine aig an robh spéis no suim air eòlas (no a bha toileach a bhi air a mheas mar sin le feadhainn eile) a dh’ionnsaidh Oras, is Virgil, is Chicero; agus chaidh cach fo di-mheas is dearmad anabarrach mòr. B’e Petrach a thòisich ris an fhasan so; agus b’e Boccacio aon de na daoine a b’ainmeile a thàinig riamh a mach fo’n dòigh fhoghluim so. Faodar a ràdh nach robh cron sam bith ann a bhi leughadh is rannsachadh nan ughdairean Romhanach, agus gun teagamh b’ann [TD 378] aig na Fir-mhineachaidh a bha a’ choire nuair nach robh iad a’ toirt an suim is an spéis sin do na Romhanaich a bha ceart is dligheach dhoibh. Coma co dhiù, rinn iad car di-mheas orra, agus, nuair a thàinig an t-Ath-bheothachadh, thug e air ball an saoghal mòr leis cho fad air falbh o’n chrich sin sa bha e dlùth ris roimh ud, ni a tha tachairt gu tric nuair a tha cuid-eigin no ni-eigin a’ cur car eile an cuibhleachan an fhortain. Tha e furasda thuigsinn nach robh an gluasad cho buileach slàinteil is mar bu chòir. B’e an ràdh a bha aig a’ chuid bu mhò a bha cumail taice ris, Homo sum et nihil humani a me alienum puto: agus, as a so, dh’fhàs iad gu bhi mòran ni bu chùramaiche mu “Nàdur” na bha ceart agus freagarrach air an son féin, agus as leth cor nan litrichean. Bha an t-Ath-bheothachadh buileach mi-nàdurra o thoiseach gu crich, ged a tha e fìor gur e caochladh cuspairean a bh’aige san amharc. Ach a chionn gur e am beachd a bh’aige gun a bhi cruthachadh, ach a bhi leantuinn gu dluth air lorg nan Romhanach, cha ruig sinn a leas ioghnadh a ghabhail gu’n robh a’chùis mar so. Nuair a tha daoine toirt oidhirp, chan ann gu bhi cur a mach nithean as ùr, air an son féin, ach airson a bhi air am meas mar dheadh fhir-leanmhuinn na feadhnach a chaidh rompa, is cinnteach gur iad a tha mi-bhuileachadh nam feartan aca, agus nach maith an rathad air am bheil iad a’ triall. Chi sinn so gu soilleir leis na thachair air Tir-mòr na Roinn Eòrpa air do’n Ath-bheothachadh làmh-an-uachdair fhaotainn ann. Air ball thuit a h-uile eòlas nach d’éirich a mach o chleachdadh nan Romhanach fo dhi-mheas anabarrach mòr. Mheasadh a’ [TD 379] chànain Eadailteach féin mar chainnt mhitheach is car mi-mhodhail. Is gann gu’n robh ùghdair innte aig an àm ud a bha idir miannach no toileach a chànain sin a chleachdadh ’na chuid sgriobhaidhean! Chaidh eadhon Dante eadar-theangachadh gu Laideann! Cha robh e air a mheas mar ni modhail, freagarrach an ùghdair ainmeil sin a leughadh anns a’ chànain sin anns an do sgriobh e na leabhraichean aige! Agus na thachair san Eadailt—dachaidh an Ath-bheothachaidh, agus a bha an t-àite as an robh e tighinn gu sgaoileadh a mach air feadh an t-saoghail uile—faodaidh sinn a bhi cinnteach gu’n robh e a’ tachairt mar sin anns na dùthchannan eile, agus gur ann mar a’s fhaide a bha e dol air falbh o’n dùthaich ud, gur ann a’s mò a bha e bogadh a chuid gad. Ràinig an t-Ath-bheothachadh Albainn mu dheireadh anns a’ chuigeamh linn deug, agus cha bu bheag no mi-tharbhach a’ bhuil a thàinig ’na chois. Chaidh Oil-Thaigh a steidheachadh an Abaireadhainn leis an Righ, a fhuaradh cead o’n Phàpa gu sin a dheanamh. Lean iomadh leasachadh eile ’na lorg, ach ged a tha e fior gu’n robh e an toiseach air a thoirmeasg gu teann do sgoileirean Oil-Thaighe Abaireadhainn cànain sam bith eile, saor o’n Ghàidhlig, an Fhraingis, a’ Ghreugaisg, no’n Laideann, a chleachdadh, nuair a bha iad a staigh ann; gidheadh, feumaidh sinn aidheachadh gu’n robh spiorad caol mi-nàdurra an Ath-bheothachaidh air a thoirt a staigh leis, agus nach b’fhada gus an robh e air fàs uile-chumhachdach ann, ceart mar a bha e an dùthchannan eile. (1) (1) Bha e mar fhiachaibh air na sgoilearan na cànainean so a chleachdadh gu ruig a chuid a’s lugha meadhon an àth linn. [TD 380] Thubhairt mi a cheana gu’n robh a’ Ghàidhlig aig an Righ, (1) agus is dòcha gur ann troimh a chumhachd fhéin a bha e air a dheanamh mar fhiachaibh air na sgoileirean anns an Oil-Thaigh Abaireadhainn a’ chànain sin a chleachdadh nuair a bha iad a staigh ann. Ach, b’e chainnt chumanta, steidhichte, cùirt an Righ Seumais Beurla na Galldachd; (2) agus ge b’e cho càirdeil sa dh’fhaodadh an Righ a bhi do chànain nam beann cha robh comas aige (no air gin air bith eile) claonadh no seòladh na h-aimsir a chur gu taobh. Chunnaic sinn a cheana na thachair an Eadailt, far an do thuit a’ chànain dhùthchasach air di-mheas is air dearmad anabarrach mòr air do’n Ath-bheothachadh làmh-an-uachdair fhaotainn anns an dùthaich ud; agus chi sinn gu soilleir leis na thubhairt an Tosgair Spàinteach mu thimchioll cainnt nam beann, nach robh “Loch Odha” cho fad air falbh o’n Roimhe sa bha e. Feumaidh sinn cuimhneachadh, mar an ceudna, nach robh foghlum ’na ni cumanta anns an linn sin. Chaidh a bhuileachadh ach air glé bheag de dhaoine, agus b’e a’ bhrigh is an spiorad a bh’aige gun a bhi gabhail ri fear-eigin no ni-eigin nach buineadh d’a theaghlach féin. Cha robh e tuigsinn cleachdainnean dùthchasach sam bith: ni mò a bha e toileach suim no spéis a thoirt do na daoine sin aig nach robh, ma dh’fhaoidte, toil no comas gabhail lis. B’ann mu bhliadhna 1550 a chuir Iain Vaus an leabhar sin a mach ris an abrar Rudimenta. Chuireadh a staigh do’n leabhar ud Statuta et leges ludi literarii Grammaticorum Aberdonensium, agus is ann o’n aobhar so tha fios againn cia mar a chaidh buntainn ris a’ Ghàidhlig. (1) IV. Seumas. (2) “An uncouth and degraded dialect,” a réir Dhughail Stiùbhairt. [TD 381] Chaidh a dhealbhadh, is a sgaoileadh a mach anns an aon dreach, agus, anns a’ cheart dreach sin—agus is ann mar so a chaidh am focal a mach am measg sgoileirean na Roinn Eòrpa—feumar gabhail ris, no a diùltadh. Tha ni eile ann bu chòir dhomh a thoirt fainear mar a bha mi tighinn air m’adhart. Agus is e sin, an nàimhdeas a bha eadar Gàidheil na h-Alba agus na Goill—eadar cùirt nan Stiùbhartach is cùirt nan Dòmhnullach. Gun teagamh, mur robh an IVmh Righ Seumas e fhéin nàimhdeil, chan urrainn sinn sin a ràdh mu thimchioll a shinnsre, a thug iomadh beum goirt is fior-chron air sluagh na Gàidhealtachd. Eadhon Seumas fhéin—am Prionnsa bu mhò agus a b’fheàrr a thàinig riamh a mach as an teaghlach sin—eadhon Seumas fhéin, tha mi ag ràdh, rinn eadhon san iomadh ni, nuair a bha e toirt ionnsuidhean air na Gàidheil, nach urrainn a dhion, agus nach b’urrainn a bhi air chòir air bith air a mhathadh dha. Ach, a thaobh chàich, bha a’ chuid bu mhò dhiubh so ’nan sàr-nàimhdean do na Gàidheil, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do leig iad air falbh, le’n deòin, fàth no cothrom sam bith a fhuair iad, agus leis am b’urrainn iad tàir a dheanamh air na Gàidheil, agus air gach ni a bhuineadh dhoibh. An déigh a h-uile ni a bh’ann, nach b’e buannachd nan Stiùbhartach na Gàidheil a chur fo dhi-mheas agus a thoirt gu làr, gu h-araidh am beachd choigreach, cho mòr sa b’urrainn iad? Cha robh e buileach cordaidh ri’m pròis, no freagarrach d’an cuid agartasan, nach robh na Gàidheil idir ùmhal dhoibh. Bha a’ chuid a bu mhò de’n dùthaich glan as an làmhan féin, agus, ann a bhi [TD 382] faighinn leithsgeoil gu sin a mhineachadh, cha ruig sinn a leas ioghnadh a ghabhail nach robh comas aca am brosnachadh a chaidh thairgse dhoibh airson cùl-chainidh is labhairt an aghaidh nan Gàidheal a dhiùltadh agus a chur gu taobh. Chan ’eil mi creidsinn gu’n rachadh duine tuigseach sam bith a dh’ionnsaidh nan Stiùbhartach a bhuineadh do’n linn ud air son fior dhealbh fhaotainn aona chuid air na Gàidheil no air a’Ghàidhealtachd. Is ann air a Ghalldachd a thòisich an t-“Ath-leasachadh,” agus a sgaoil e a mach air feadh taobh an ear na h-Alba. Cha robh na Gàidheil aig an àm ud a’ gabhail ris idir; agus am measg nan daoine a bha air a cheann, is gann gu’n robh Gàidheal air bith r’a fhaotainn. Bha Iain Knox agus a chàirdean am feadh na Galldachd a’ sealltuinn air na Gàidheal ceart mar a bha na Stiùbhartaich agus na h-uaislean a’ deanamh. A réir nan daoine so, cuideachd, b’ann mar shluagh borb, tur aineolach, a bha na Gàidheil, agus dùthaich nam fineachan, is cha robh e idir sàbhailte do Ghall air bith eadhon cas a chur innte. Air son so, agus a chionn gu’n d’thug na “Fir-leasachaidh” am beachdan féin o Shasunn, cha mhòr gu’n robh iad a’ sealltuinn air na Gàidheil, agus air gach ni a bhuineadh dhoibh, ach air dòigh a bha glé dhùr is buileach gruamach. Feumaidh sinn cuimhneachadh, mar an ceudna, gu’n robh na Gàidheil uile ’nan Caitlicich aig an àm ud; agus ged nach robh iad a’ toirt ionnsuidh air na Prostanaich, do bhrigh mi-chòrdadh ’nam measg féin, agus cion giulian is seòltachd air taobh na feadhnach a bha air an ceann; gidheadh is cinnteach gur e sin an dearbh ni a thach- [TD 383] radh dhoibh, nan robh righ tuigseach is faicilleach, is gan bhi lag-chridheach, aig Albainn aig an àm ud. Agus a thaobh an Ath-bheothachaidh, cha robh na Prostanaich Albannach a’ dol ’na aghaidh a muigh agus a mach, ged a bha fhios aca gu’n d’thàinig e gus an dùthaich so bho’n Eadailt—dùthaich a’ Phàpa. Ghabh iad ris, cha b’ann gu sunndach, toilichte, ach mar ni a bhiodh car feumail dhoibh féin ann a bhi tilgeadh “cuing a’ Phàpa” bharr an guaillean-ne: na bh’ann a bha fuaighte ris na Pàganaich, bha sin tur neo-thaitneach leo, agus cha sheasadh iad riamh ris, oir b’ann air a’ Bhiobull a mhàin, a réir am beachdan féin, a bha iad a’ seasamh a mach. Chaidh, mar sin, a’ Phàganachd a bha fuaighte ris an Ath-bheothachadh a dhiùltadh leo; ach an spiorad caol, neo-fhialaidh, is druidhteach a bha ga chomharradh a mach, bha sin tur taitneach leo: ghabh iad ris gu toilichte agus thug iad air aghaidh ’nan creideamh féin cho maith sa dh’fhaodadh iad. Mar sin, agus eadar a h-uile rud a bh’ann, cha mhòr nach robh na Gàidheil air am meas gu mòr aona chuid leis na Stiùbhartaich no leis na Prostanaich, a bha ’nan nàimhdean dhoibh. Thuirt an dàra fear gu’n robh iad ’nan daoine borba aineolach, fiadhaich; agus thuirt a’ bhuidheann eile an ni ceudna, agus se so an sgeul a dh’innis an dithis cho tric sa bhiodh cothrom aca. Ach, air an àth phaipeir a bhitheas agam, ni mi oidhirp fior chor na Gàidhealtachd aig an àm ud a chur an céill, agus, le toil Dé, innsidh mi rud-eigin no dhà mu thimchioll staid chreidmhich is pholiticich nan Gàidheal fo riaghladh Bain-Righ Màiri. RUAIRIDH MAC UILLEIM ARASCAIN IS MHAIRR. [TD 384] GÀIDHEIL IS COMUNNAIREAN CHAN ’eil Gàidheal sam bith nach cuir a làn aonta ri mòran a tha aig bonn creideamh nan Comunnairean. Thubhairt duine ainmeil a chaochail a chionn bliadhna no dhà, “Tha sinn uile nar Comunnairean aig an là an diugh”; agus le’n gabhail an seadh coitcheann, chan ’eil dà dhòigh ann nach ’eil na briathran so anabarrach ceart agus firinneach. Rach a staigh do na bailtean mòra air feadh an t-saoghail gu léir, agus gabh beachd mar a tha luchd nam bailtean ud gan riaghladh féin, agus seall mar a tha iad a’ trusadh gach cumhachd is inneal baile do’n làmhan féin. Is e sluagh Ghlaschu Comunnairean a’s mò a th’againn an Albainn. An Glaschu, buinidh a’ mhòr-chuid de na goireasan do’n bhaile—an t-uisge, an solus, an rathad iaruinn sraidean, taighean-còmhnuidh do’n luchd-oibre, agus mòran nithean eile. Tha gach ni dhiubh air an cur an seirbhis an t-sluaigh aig prisean mòran na’s isle na gheibhear iad am bailtean eile, agus tha’m baile, a bharrachd air sin, a’ deanamh prothaid orra. Anns a’ mhòr chuid de na dùthchannan a’s adhartaiche a th’air an t-saoghal, tha an riaghladh gu ire bhig an làmhan an t-sluaigh; ach, gu ruig so, tha an sluagh an tomhas mòr dearmadach mu’n dleasdanas a thaobh cùisean riaghlaidh. Air an aobhar sin, chan ’eil iad a’ mealtainn gach sochair a dh’fhaodadh iad. Tha fhathast am beagan a’ deanamh greim air goireasan nan uile, agus gan daorachadh air son am buannachd féin. Tha muinntir Ghlaschu an deigh sin a thoirt fainear mar nach d’thug muinntir baile no dùthaich sam bith eile. [TD 385] Tha so uile ceart gu leòir, agus chan ’eil an teagamh a’s luatha againn nach biodh e chum maith is leasachadh an t-sluaigh uile nan rachadh am barrachd cumhachd a bhuileachadh air an Stàid na tha aice an iomadh dòigh aig a’ cheart àm so. Chaidh oighreachd an Earraghaidheal a cheannach o chionn greis leis an Stàid airson i bhi air a cur le coille. Is e seòrsa de Chomunnaireachd a th’againn an so, agus uidh air uidh tha sluagh na h-Alba tighinn a dh’ionnsaidh na barail gu’m bheil e iomchuidh is feumail gu’n rachadh buntainn aig làimh na Stàide ris a leithid sin a dh’obair, cho tric agus cho mòr sa ruigeas an cothrom aice. Is e sin, mar an ceudna, ar beachd féin, a chionn gu’m bheil sàr fhios againn gu’n robh a’ chùis car mar so nuair a bha sinn—Gàidheil na h-Alba—air ar casan féin. Aig an àm ud, bhuineadh gach dreachd is ofig a bh’ann, a réir beachd co-dhiù, do’n Fhine, no do’n t-sluagh, agus thug iad le chéile iomadh oidhirp airson a bhi meudachadh sonais agus soirbheas an t-sluaigh gu léir, ged nach robh an Stàid, mar a tha sinn féin a’ tuigsinn an fhocail ud, fathast ann. Ach, tha doimhne mhòr air a suidheachadh eadar Rian nan Gàidheal agus Rian nan Comunnairean, agus dé an doimhne a bh’ann tha sinn dol ga cur an céill. Anns a’ chiad àite, ciod iad na beachdan a tha aig na Comunnairean? A réir an cuid sgriobhaidhean féin, tha iad mar so. An tòisich, éisd ris na tha’n Justice, a tha ’na ghuth seachduineal aig a’bhuidhinn so an Sasunn, ag ràdh. Is iad so na “h-ath-leasachaidhean” a tha e ga spàrradh air an t-sluagh. [TD 386] “The abolition of the Monarchy and of the House of Lords; the repudiation of the National Debt; compulsory free, secular, and industrial education for all classes under the age of sixteen; the nationalisation of land, railways, docks, canals, gas, electric light, and water supplies, of tramways, omnibus, and other locomotive services; the public ownership and control of the food supply and of the coal supply, together with that of the drink traffic, banks and restaurants; a legal maximum eight hours day, with imprisonment for all employers infringing this limit; a minimum wage of 36s. per week for both sexes; free justice; the disestablishment and disendowment of all State churches ; and the abolition of standing armies.” A nis, faodaidh sinn a ràdh, san dol seachad, gu’m bheil ni no dhà air a’ chlàr so ris am bheil sinn a’ cur ar làn aonta. Tha sinn féin coma do Thaigh nam Morairean, agus a thaobh na Rioghachd, tha facal againn a tha ag ràdh, “Is coma léis an righ Eoghann agus is coma le Eoghan an righ co-dhiù”. Co-dhiù, cha ruig sinn a leas mòran churaim a ghabhail mu’n chùis ud. Chaidh an Rioghachd air a stéidheachadh an Sasunn air dhà ni nach ’eil a’ còrdadh ruinn idir, aona chuid mar Chaitlicich no mar Ghàidheil. Is iad so Prostanachd agus Sasunnachd. Ach, a thaobh a’ chuid a’s mò de’n chlàr ud, tha sinn a’ cur nan aghaidh a muigh agus a mach. The e soilleir ma ghabh an clàr so cothrom, nach bi e fada gus am bi sinn uile mar thràillean truagha aig an Stàid. Ach tha aobhar eile ann air son nach biodh a bheag no mhòr de ghnothuch aig na Gàidheil ris a’ chreideamh chunnartach so; agus is e sin do bhrigh [TD 387] gu’m bheil na Comunnairean a’ diùltadh Dhé. Eisd ris na tha Venisier, aon de’n dream ud, ag ràdh mu’n chùis so. Deir esan, “Is còir dhuinn a bhi diultadh Dhé, Teaghlaich, agus Dùthcha, gu soilleir agus gu dàna”. Sgriobh Tusati, Comunnair Eadailteach, paipear a dh’ionnsaidh miosachain ris an abrar The Social Critic, agus is ann mar so a tha e labhairt, “Socialism ought to be atheist in form, as well as in substance”. Their duine eile de’n ghnè so, “the establishment of society on a Socialistic basis would imply the definite abandonment of all theological cults, since the notion of a transcendent god or semi-divine prophet is but the counterpart and analogue of the transcendent governing class”. (1) So mar an ceudna, mar a labhair Mr. Bernard Shaw o chionn greis. “God was once the most sacred of our conceptions; and he had to be denied. Then reason became the Infallible Pope, only to be deposed in turn. Is Duty more sacred than God or Reason?” (2) Labhair na daoine so toibheum: ciod an tuille feum a th’againn air fianaisibh? Is “ainmhidh crabhach a th’ann mac an duine”; agus mar a thuirt an t-Easbuig Anglicanach Crighton nach maireann, chan ’eil creideamh idir ’na shòghalachd ach ’na éiginn. Agus de gach cinneadh a th’ann, is iad na Ceiltich, a réir coltais, an dream d’am bheil an creideamh na’s luachmhoir, agus aig am bheil a’s mò déidh air am pearsachan-eaglais a tha r’am faotainn air aghaidh an t-saoghail gu léir. Is i cainnt fior chreidmheach, a’ Ghàidhlig, mar an ceudna. Buidheachas (1) Bax, Religion of Socialism, t. 81. (2) Quintessence of Ibsenism, t. 18. [TD 388] do Dhia, chan ’eil litreachas ain-diadhaidh, toibheumach, againn-ne, mar tha aig cainnt nan Sasunnach. Gu’m b’e toil Dhé ’Eaglais Chaitliceach a bhrosnachadh chum a dhion agus a chumail suas! Ach tha aobhar eile ann a tha gar brosnachadh suas gu bhi diùltadh creideamh nan Comunnairean; agus is e sin do bhrigh gu’m bheil iad a’ cur as do Theaghlach, agus Pòsadh a mhilleadh is a thoirt gu làr. Their Robert Owen, (1) “the irrational names of husband and wife, parent and child, will be heard no more”. Agus a thaobh Pòsaidh fhuaras na briathran a leanas air an clo-bhualadh an leabhar beag a chaidh a sgriobhadh le Edward agus Eleanor Marx Aveling, agus ris an abrar Accepted Gospel. “We—and with us, in this at all events, most Socialists—contend that chastity is unhealthy and unholy… The contract between man and woman will be of a purely private nature, without the intervention of any public functionary… If the coming society… regards it as right for man to have mistresses, as well as wife, we may be certain that the like freedom will be extended to women.” Tha so uile anabarrach oillteil, déisinneach; ach am feàirrde sinn idir leis na tha ùghdairean an “Leabhair-Cheistean Uir,” air am bheil iomradh againn mu thrath, ag ràdh mu’n chùis so. “When private property ceases to be the fulcrum around which the relations between the sexes turn, any attempt at coercion, moral or material, in these relations (such as is implied in laws…), must necessarily become repugnant to the moral sense of the community” (t. 35). Ach, (1) The New Moral World. [TD 389] foghnaidh sin aig an àm. Cha taitneach idir leinn a bhi buntainn ris a leithid sin de stuth. A nis, ma is urrainn sinn a bhi cinnteach mu ni sam bith, se so e gu’n d’thug na seana Ghàidheil suim is spéis anabarrach mòr do na dearbh nithean ud air am bheil na Comunnairean an tòir a nis chum an cur as gu buileach. Am measg nan Gàidheal, b’e an Teaghlach a b’àbhaist a bhi mar shamhladh is mar reuson do’n Stàid; agus is ann as a so a tharruing iad a mach gach beachd is smuain a bh’aca chum riaghladh na dùthcha. Faodaidh sinn a ràdh gu dearbh gu’n deachaidh an Rian a bh’aca air a stéidheachadh air an Teaghlach fhéin, agus nach robh anns an “Stàid” idir, ach fior cho-chruinneachadh mòr de theaghlach. B’e an Stàid a chaidh a dheanamh air son an Teaghlaich: cha b’e an Teaghlach a chaidh a chur ri chéile air sgath na Stàide. Mar sin tha na Comunnairean a’ smuaineachadh. Tha e tighinn as a so, ceart mar a tha’n sruth beag a’ tighinn as an amhuinn mhòir, gu’n d’thug iad mòr spéis do Phòsadh, a chleachd iad mar luchd-leanmhuinn Chriosda, “air son glòir Dhé, agus chum buannachd a’ chinne-daoine”. Mar a thubhairt am Pàp (1) air a’ Chuairt-Litir a thug e seachad mu’n chùis so air sgàth nan Caitliceach uile, “thàinig an Teaghlach air thòiseach air an Stàid: leis a sin, tha coirichean aig an dàra fear nach buin idir do’n fhear eile”. (2) Agus an àite eile tha e ag ràdh, “agus air son a’ cheart aobhair gur ann do’n athair a bhuineas a chuid chloinne, uime sin is còir do’n mhac, mar a tha Nh. Tòmas à Aquin ag ràdh, ‘a bhi fo (1) XIII. Leo. (2) Rerum Novarum, An Céitein, 15 là 1891. [TD 390] ùghdaras aig a phàrantan gus am tig e gu aois is eòlas’. Air a’ cheann so, tha na Comunnairean a’ dol fada am mearachd nuair a tha iad a’ toirt oidhirp gus na pàrantan a chur gu taobh, agus an Stàid a stéidheachadh ’nan àite. Tha iad a’ dol glan an aghaidh ceartais nàdurra le bhi deanamh mar so. Ma gheibh iad cothrom air an cuid miannan a thoirt gu buil, sgriosaidh iad an Teaghlach gu buileach.” Ach, mar a thuirt fear-eigin aig a’ cho-chruinneachadh mhòr a thachair am Preston (1) o chionn ghoirid, “cha leòir dhuinn air ar son féin a bhi cur an aghaidh bheachdan meallta cunnartach nan Comunnairean. Bu chòir gu’n rachadh leinn, mar an ceudna, ni-eiginn feumail is freagarrach a chur ’nan àite.” A nis air son ar cuid féin dheth, faodaidh sinn a ràdh gun teagamh gur e ar beachd nach ruig ar muinntir féin a leas dhol fad air falbh no thaobh gus am bi sin an làn ghreim aca. Is e ar beachd gur h-ann an “Rian nan Gàidheal” a gheibheadh sinn gach ni a tha uainn aig an àm, agus a bhitheadh feumeil chum maith is leasachadh ar dùthcha. Coma co-dhiù, biodh sin tur dualach is nàdurra nam biodh e air àth-bheothachadh. B’e stéidh an Rian ud cèud shuidheachadh a thoirt seachad do’n Fhine, is e sin ri ràdh do’n t-sluagh. Is ann o’n t-sluagh a bha gach cumhachd is beus Stàideil tighinn a mach; agus fo’n Rian so bhuineadh a chuid a’s mò de’n fhearann do’n mhuinntir cheudna. Gidheadh, cha robh e riamh a’ toirt ionnsuidh air coirichean chàich. Bha rùm no suidheachadh aige air son righ is uaislean, ged nach robh e leigeil leo-san—co-dhiù cho fad sa bha na (1) Fo sgàth Chomunn nan Caitliceach an Sasunn. [TD 391] Gàidheil air am bonn fhéin—an sluagh chur a mach is an spuinneadh, ni mò bha e ciontach air Dia-àicheadh air beulaobh Dhé, no feuchainn ri cur as do’n Teaghlaich. Car son, mata, nach deanamaid stri chum a’ chùis àth-bheothachadh? Is còir dhuinn a bhi glaodhaich “Suas leis a’ Ghàidhlig!” ach ni tha mòran na’s cudthromaiche na sin, se so e, “Suas leis a’ mhuinntir d’am buin i!” SEANN SGEUL (1) UAIR d’an robh an saoghal gu sòghal is an sluagh ag àiteachadh nan gleann, ri linn mo shean-sheanair, bha’n céilidh aig an àm sin cho cleachdail agus cho cinnteach sa luidheadh a’ ghrian. Aig a’ chéilidh, bhiodh luinneagan binne gan aithris, is naigheachdan gan luaidh a bheireadh buaidh air gach tùirse, agus, mar a theireadh cuid, gàire air a’ chat. Tha aon sgeul fathast air mhaireann ’nar measg a bha cleachdail aig a’ chéilidh, a tha rùn orm aithris dhuibh an teirce bhriathran, mu thimchioll dithis ùraisgean a bha chòmhnuidh anns a’ choimhearsnachd againn féin. An taobh a steach de dhà mhile do Pholl-iù, tha (1) Dh’innseadh an sgeul so le Coinneach Mac Illeathain, sgoile Phòll-iù, aig a’ Mhòd an Glaschu. [TD 392] leum uisge bagarach, fiadhaich, d’an ainm “Eas a’ Phollachair”. Anns an eas so, bha dà ùraisg a’ chòmhnuidh, fear dhiubh mòr, dùmhail, duaichnidh, d’am b’ainm an “Crotachan Liobasta”: am fear eile, caol, àrd agus caog-shùileach, o’n d’fhuair e mar ainm an “Ciuthach Caogach”. Dlùth do’n eas, bha taigh tuathanaich, aig an robh bean bheag agus teaghlach mhòr. Bha a’ bhean so cho còir, fiadhlaidh, ri luchd-turuis is gu’n d’fhuair i mar ainm “Caoimhneag”. Ach, g’e b’e air bith àm aig am biodh an tuathanach o’n a’ bhaile, bha’n Ciuthach Caogach cinnteach tighinn am fianuis. Bha Caoimhneag deònach gu leòir air a bhrù a’ lionadh, agus cuibhrionn mhaith lòin a thoirt dha, gu bhi ’na chois aig àm falbhaidh, ionnus fa-dheoidh gu’n do dh’fhàs e buileach draghail do’n mhnaoi-uasail. Oidhche de na bh’ann, agus e air tighinn, thuirt e rithe, “Bu mhaith leam féin t’ainm a chluinntinn”. Fhreagair i, “Se m’ainm-se ‘Mi-Féin—’s Mi-Féin—Gun-Dad-Sam-Bith-Ach-Mi-Féin’”. “A Ghraidh!” thuirt esan, “nach laghach an t-ainm a th’ort. Cha chreid mi féin gu’m falbh mi ’nochd.” Bha poit mhòr de lite aig a’ bhean air an teine do’n chloinn. Bha’n ùraisg leith-ruisgte, agus cas aige air gach taobh de’n ghealbhan. Am prioba na sùla, dhoirt i a’ phoit leis na bha innte mu ghluinean an ùraisge. Leum e mach san raoiceil, ag eigheach gu cruaidh, “Foit! Foit! A bhoglaich theith, Lite luaisgte, luaidhte theith.” Tha e san aithris gu’n robh luirg a chas ri’m faicinn anns na clachan a’ dol gus an eas. Chaidh a’ bhean [TD 393] gu mullach a’ chnuic a bu dlùithe a dh’fheuchainn ciod a chluinneadh i. Bha i faicinn an teine bha’n Crotachan a’ toirt as na clachan le ’chasan. Bha e sior-eigheachd, “Có rinn sin ort?” “Rinn Mi-Féin-’s-Mi-Féin-Gun-Dad-Sam-Bith-Ach-Mi-Féin,” fhreagair an Ciuthach. “Nam bu neach eile gu’n deanadh, ’s mise so gun dioladh.” Troimh thoradh na thachair, cha do chuir na h-uraisgean tuille dragha air Caoimhneag. An diugh, tha taigh snasail, eireachdail, togta air an làraich so; agus ged is iomadh caochladh a thàinig air an t-saoghal o’n àm a tha ’nam sgeul, tha’n t-eas cho fonnmhor, smuidreach, farumach sa bha e riamh; agus tha mise glé dheònach a shealltuinn do neach air bith agaibh a thaghlas rathad Phòll-iù. AT THE BACK OF THE WIND [Beurla] [TD 394-409] [Beurla] [TD 410] [Beurla] LITRICHEAN CO-CHRUINNEACHADH MOR NAN UILE-CELTICH AN DUNEIDEANN. LE’R CEAD, O’n a thàinig co-chruinneachadh mòr nan Ceilteach a bha air a chumail an Dunéideann r’e thri làithean air an t-seachduin so chaidh seachad gu [TD 411] crioch, thàinig e nam inntinn cunntas beag a thoirt do Ghuth na Bliadhna mu thimchioll nan nithean sònruichte a thachair aig a’ Chruinneachadh so, a bhios, gun teagamh, aimmeil r’e iomadh linn na dhéigh so an Eachdraidh ar dùthcha. Tha e duilich, gun teagamh, min chunntas a thoirt am beagan briathran air gach ni a thachair aig a’ Choinneamh mhòir so; ach feuchaidh mi ris na cùisean sònruichte a bha làthair na coinnimh innseadh cho athghearr agus a’s urrain mi. Is e cheud ni, mata, a chaidh a’ dheanamh suidheachadh agus Clachaireachd a’ chùirn ris an abairear anns a’ Ghàidhlig Eirinnach “Lia Cinneal” ach “Clach nan Ginealan,” anns a’ Ghàidhlig Albannaich “a bha air a thogail air Ailean a’ Chaisteil; ach roimh so chruinneach an comunn Riaghlaidh is na bàird anns an Tùr-Fhàire, a tha mu thimchioll da cheud slat a dh’astar o’n Ailean, chum iad féin a’ sgeadachadh an trusgan nam Bàrd, a bha air a dheanamh de iomadh dàth a réir inbhe gach bàrd anns a’ choisir; agus air dhoibh iad féin a dheanamh deasail beagan roimh dheich uairean sa mhaduinn, dh’imich iad an sin gu stàtail le piobairean air an ceann a’cluich “Cabarfeidh,” a’giulain Bratach agus Claidheamh na “Gorsedd” a dh’ionnsaidh Ailean a’chaisteil, far an robh an “Lia Cinneil” gu bhi air a togail. Bha ’n sealladh so glé thlachmhor, agus tharruing e aire an t-sluaigh mhòir a bha nis air cruinneachadh as gach ceàrna a dh’fhaicinn an deas-ghnàth aosmhor so. Bha Bhratach glé bhriadha, agus neònach, i air a fighe le dealabh na ghréine “mar shùil an t-soluis,” agus suaicheantas Chimridh, “An fhirinn an aghaidh an t-saoghail,” fighte innte. Cha [TD 412] bu lugha an t-iongantas Claidheamh maiseach na sìthe, agus an Adharc mhòr ailleanta (Corugbhlad “Hirleas”) no cupan a’ ghraidh a bha air a cuideachadh le h-òr. Bha’n adharc so cho mòr is a réir coslais cho uamhasach tròm is gu’m feumadh i ceathrar dhaoine treuna g’a giùlain. Nuair a ràinig an Comunn an ceann-ùidhe, thug an Coibhi, no an Ard-Dhrùidh, sgal as an Adhairc, ni a bha ciallachadh gu’n robh na Bàird a nis air cruinneachadh; agus air dha urnuigh a dheanamh anns a’ chainnt Chimrich, glaodh e, “Am bheil sith ann” tri uairean agus aig a’ cheart àm a’ tarruing a chlaidheamh, a bha air a chumail suas le dithis dhaoine maille ris fhéin, as a thruaill, agus air dha’m freagairt fhaotainn gu’n robh “sith ann,” chuir e an claidheamh a rithist air ais do’n trùaill. An deigh sin, bha òrain Chimrich air an séinn gu taitneach le h-òigh agus òganach Cimrich a’ cluich na clàrsaich. Aig an àm so, ghairm Tighearna Bhaile Chaisteil (Ard-fear-riaghlaidh agus Ceannsuidhe a’ Chomuinn Cheiltich) air Mr. Dòmhnull Shàdh, an Rùn-chléireach “an Cuireadh” a bha gairm nan Celtich uile cruinneachadh maille ri chéile an Dunéideann a’ léughadh anns a’ Ghàidhlig Albannaich, ni a rinn e an dòigh glé chiatach. Léugh Mr. Fournier i anns a’ Gàidhlig Eirionnach; agus, an déigh sìn, chuir an coibhi an t-urram air Marcus Bhòid, ball urramach de na Gorsedd a dheanamh dheth, a’ cur riobain uaine sioda air a làimh, mar shuaicheantas gu’n robh e nis ’na bhall do dh’ Oilthaigh nam Bàrd. An sin, chaidh na sè clachan a tha deanamh suas na “Lia Ceinneil” le mòr aòibhneas a chur suas air [TD 413] mùin a chéile anns an òrduigh a leanas: A’ Clach Eirionnach le Tighearna Bhaile-chaisteil; Chimrich le Mr. G. Thomas; Albannach le Marcus Bhòid; Bhreatonaidh le Marcus de l’Estourbeillon; an Eilein Mhananaich le Mr. Mòr, Fear-labhairt Tighe nan Iuchraichean; Chornbhaill le Mr. Eanruig Jenner. Thug Tighearna Bhaile-chaisteil taing do mhaithean a’ Bhaile airson cead a thoirt dhoibh an “Lia Cinneil” a thogail air àite cho briadha sa th’ann an Roinn Eòrpa, a’ co-dhunadh leis na briathran, is làimh thairis air a’ chàrn, gu’n robh a’ Choinneamh a nis fosgailte. Chuir Mr. Innes mòran cliù air Marcus Bhòid is air ’athair air son na rinn iad air sgath cumail suas is brosnachadh cainnt nan Cimrich agus am meas a bha na lorg sin air an teaghlach uasal sin an Cimreadh. Shéinneadh an sin “Dùthaich mo Shinnsearan,” le oigh Chimrich; agus thill an comunn air ais a dh’ionnsuidh an Tùr-fhàire, agus, as a sin, sgaoil iad as a chéile aig an àm. An déigh tim lòin, tràth-nòin, choinnich an comunn an Talla an t-Sheannaidh an àrd chairtealan, anns an robh mòran de ghnothaichean féumail air an cur an òrdugh; agus òraidean ionnsuichte air an liubhairt le Sgoilearain ainmeil air Ceòl, sèinn, Arsantach, nòsan is cleachdannan nan Ceiltich, nan Ghàidheil, anns an àm o shean. Thug an t-Urr: Seorais Calder oraid air “Sheann chleachdannan is nòsan Strath-fheolain,” agus is maith a rinn a e sin. Air feasgar an làtha, thug àrd Bhaillidh a’ Bhaile aoidheachd fhialaidh do’n chomuinn is do mòran de uaislean a’ Bhaile aig an robh mòran greadhnais is [TD 414] caoimhneas air a nochdadh. Thàinig an fheasgar ailleanta gu crioch le séinn òrain Ghàidhlig. Air an dara làtha, Di-ciadoin, bha mòran de thim air a thoirt suas le bhi beachd smuaineachadh air an àite a bha cainnt nan Ceiltich a nis faotainn anns na h-uile dhùthaich anns an robh i air a labhairt. B’e an t-Urramach an t-Ollamh Raibeart Blàrach, Ceann-suidhe na coinnimh so, aig an robh mòran a làthair. Thug fear-ionaid o “na sé cinnich” cunntas mar a tha Ghàidhleig ’na dùthaich féin a’ buadhachadh. Thubhairt fear na cathrach gu’n robh a’ Ghàidhlig air a labhairt le mu thimchioll ceithir muillion sluaigh gun guth ’radh mu thimchioll an àirimh mhòir a labhrais a’ chainnt an Canada is Stàidean America. Léugh an leigh Seôras Mac Caoidh pàipeir air treubhan de shliochd nan Ceilteach a tha tùinneachadh ann am Moroco ris an deachaidh éisdeachd le mòr thoil-inntinn agus a thog moran comhraidh na dhéigh sin. Leigh Mr Earnest Rhice is òigh Alice Milligan pàipeirean glé thaitneach air nòsan ’s ùr-sgeulan an t-sluaigh, agus labhair iad air a’bhuaidh bh’aig beul aithris nan Ceilteach air na h-ùr-sgeulan Frangach ’s air an obair a rinn cuid de luchd tional nan òrain Eirionnach anns an ochdamh linn deug. Air feasgar an làtha so, bha Coisir-chiùil air a cumail an Talla an t-Sheannaidh aig an robh ceòl is seinn is dannsa de na h-uile seòrsa, agus sin cho briadha is cho ciatach sa chunnacas riamh an Dùneideann. Air an treas làtha, Di-ciadoin, bha òraidean mar an ceudna air an toirt seachad, gu sònruichte air gnothaichean a bhuineas do’n Ghàidhealtachd. Dh’innis [TD 415] Bean Mhr. Friseal mu thimchioll a tùrais do na h-Earradh; agus na fhuair i de dh’òrain nach deachaidh riamh riomhe clo-bhualadh. Fhuair i mu dhà cheud diùbh so. Thug an Léigh Frisealach òraid ionnsuichte air eachdraidh na Piòba, is dhearbh e gu soillear gu’n robh i ann o thoiseach an t-saoghail. Thug Mr. A. P. Graves òraid phongail mu òrain nan ceithir dùthchannan, Breatonaidh, Eirin, Albainn, agus an t-Eilean Mannanach, agus dh’aslaich e air na h-Albannaich, mar sluagh a bha sealbhachadh ciùil ’s ôrain bhriadha, gun fois a ghabhail ach an oighreachd so a dheanamh na bu shaoibhire eadhon na tha i nis. Thug an t-Urr. Mr. M. N. Munro beachd mhaith air an obair a tha an Comunn Gàidhealach a deanamh airson brosnachadh ’s sabhaladh ciùil nan Ghàidheal. Choinnich Cuideachd nan Seann Sgéulachdan air a cheart mheadhon là agus b’e Ard-fear-foghlum Geddes bu Ceann Suidhe na Coinnimh. Chuir e coimeas iomchuidh eadar na Sasunnaich ’s na Ceilteach. Thubhairt e gun robh na Ceilteach saoibhir sna h-uile ni ach airgiod a mhain agus na Sasunnaich bochd sna h-uile ni ach sin. Lean Ban-Chount Pluncet le òraid thaitneach air innleachdan nan Ceilteach air am mìneachadh le spéilearan lochrain; agus an deigh sin thug Marcus de l’Estourbeillon beachd ghoirid air trusgain nam Breatonach. Air an fheasgair so bha coisir-chiùil mar an ceudna an Talla an t-Sheannaidh aig an robh luchd Ciùil, is dannsa, is òrain cho ciatach sa bha riamh anns na s’e cinnich o’n d’thàinig iad. B’e Marcus de l’Estourbeillion bu Cheann-suidhe na coinnimh so, agus sheall e sa h-uile dòigh gu’n robh e làn àiridh air an onair a chaidh a chur air. Aig crioch nan cuirmean so, [TD 416] thug Tighearna Bhaile-chaisteil cliù mòr do Mr. Dòmhnull Shàdh, an Runcléireach air son cho ciatach sa rinn e na h-uile ni a chur an làn òrduigh mu thimchioll a’ chomh-chruinneachaidh mhòir so. Air an lá mu dheireadh, Di-h-aoine, chruinneach an Comunn aig deich uairean sa mhaduinn air son “Lia Cinneil” a sgaoileadh. Bha là fliuch is ceòach, agus thubhairt Tighearna Baile-chaisteil an Ceann-suidh gu’n robh e iomchaidh gu’m biodh Dùneideann fo cheò, do bhrigh gu’n robh a’ chruinneachadh so bho linntibh dorcha o chéin. Bha Albainn a’ caoidh an trial aisde, agus bha “Lia Cinneil” fluich le a déuraibh! An sin, bha “Lia Cinneil” air a thoirt nuas lion caob is caob, léis na daoine uaisle a leanas: A’ chlach Chornbhaill, le Mr. Dòmhnull Shàdh an Rùn-chleireach; a’ Chlach Mhannanich, le Mr. Mac Hardie; Chlach Breatonaidh le Francis Vallé; Albannach, le Mr. Shand; Clach Chimrich, le Mr. Davis; agus an té Eirionnach le Tighearna Bhaile-chaisteil. Ris gach aon ann an sin thubhairt an Drùaidh “Triall an Sith”. Thug-Tighearna Bhaile-chaisteil taing do Mhaithean a’ Bhaile is do gach aon a thug cuideachadh air son an aobhair. Shéinneadh ann sin “Dùthaich mo Shinnsirean” òran duthcha nan Cimridh; agus air do Mhr. Eideard ùrnuigh a ràdh anns a’ chainnt Chéiltich, shéinn òigh Cheannadaidh “An Tim bh’ann-Chéin,” is thug sin gu criòch Cruinneachadh cho briagha is cho ciatach sa a bha riàmh a réir mo bharail-sa an Albainn. Is mise, le mòr mheas, EILEANACH. DUNEIDEANN, 26 là de’n Damhair, 1907. [TD 417] OISEAN SAN FHRAING LE’R CEAD, Chuireadh am mach o chionn greis leabhar air an robh mar ainm A Literary History of France, agus a chaidh sgriobhadh le Emile Faguet, fear-sgriobhaidh litreachais Fhrangaich, a tha car ainmeil an dùthaich ’araich is a bhreith. Anns an leabhar thaitneach fhiosrachail so, tha ri fhaotainn cunntas fada is air a dheadh sgriobhadh mu dhrùdhadh a chaidh a rinneadh air litreachas nam Frangach le “Oisean,” agus a luchd-leanmhuinn anns an dùthaich againn féin. Arsa M. Faguet, is e sgriobhadh sa Bheurla, “It is clear that whatever elements of melancholy, grief, and desolation and despair are to be found in the French Romantic Literature can be traced back to Young, and to the popularity of Young for its impetus; just as the legendary and mediæval element is attributable to Ossian and the popularity of Ossian.” Chaidh an leabhar so a gheur-rannsachadh anns an Athenæum bho chionn ghoirid, agus b’e beachd an fhir-rannsachaidh so a sgriobh am paipear ud nach robh ann an “Osein” ach bladaire faoin, no mar a thuirt esan ris, “a hollow cloud”. “Macpherson was not only fraudulent in intention, but also chaotic in mind (ars ar fear-rannsachaidh); he had no real imagination, and ‘blotted and blurred’ whatever he touched. But he had the journalist’s instinct, and caught the sound of the ‘Celtic note’ in the air before others had heard it… The influence of Ossian went through the world, but Ossian remains a hollow cloud.” [TD 418] A nis, chan ’eil mi dol as mo rathad chum “Oisein” a dhion “a dh’aindeoin có a theireadh e”; agus tha mi cur m’aonta ris na tha mòran ag ràdh mu thimchioll an rathaid san deachaidh a chuid dàn a chuir ri chéile; ach, air an làimh eile, se mo bheachd fhéin nach bu choir a bhi sealltuinn air ughdair “Oisein” mar dhuine gun tuigse gun sàr-inntinn, mar tha an Sasunnach so gabhail ris. Tha doimhne mhòr air a stéidheachadh eadar am beachd so agus am fear eile a dh’fhaodainn, le’r cead, ainmeachadh; agus is e sin nan robh Mac a’ Phearsain ’na mhealltair, gidheadh chan fhaodar aicheadh nach e duine tur inntinneach is anabarrach sgileil is ealanta a thaobh litreachais a bh’ann. Gabhaibh beachd, tha mi guidh oirbh, air an dà dhàn ainmeil ud ris an abrar Cumha Oisein do’n Ghréin dol fodha, agus Failte Oisein d’on Ghréin an àm éiridh. Gu dearbh, is tearc iad-san a thug bàrr le’n cuid bàrdachd air an da dhàn iomraideach ud; agus ged a tha e fior gu’n robh Mac a’ Phearsain ’na mhealltair gun chogais, agus gu’n do chuir e ri chéile iomadh dán is rann nach ’eil airidh gu bhi air am measadh mar dheadh bhàrdachd, gidheadh cha dean e feum dhuinn a bhi cur ar cùil gu buileach ris, agus a’ bhi sealltuinn air ach mar fhear-sgriobhaidh tapaidh do na paipearan a mhàin. Tha, a réir mo bheachd fhéin, dà dhòigh ann, a thaobh an ni so, agus slighe a’ cheartais eatorra, mar a’s àbhaist di bhi dol. A’ chiad dòigh, se sin am fear a chaidh a ghabhail leis an fheadhainn a bha seasamh cùis Mhic a’ Phearsain “a dh’aindeoin có a theireadh e,” anns na làithean a dh’aom. An dòigh eile, si sin a thug an Sasunnach ud air adhart nuair a bha e toirt iomraidh air “Oisein” [TD 419] mar a dh’ainmich mi mu thrath. Ach, se taobh a’ cheartais agus na fìrinn am fear sin a tha dol troimh theismeadhon an dà bheachd so, air am bheil mi fhéin làn thoileach a’ bhi triall, agus, mur ’eil mi air mo mhealladh, a chuid a’s mo de mo luchd-dùthcha comhla rium. Air son mo chuid fhéin dheth, cùl mo làimh ris an dream ud a tha daonnan a’ cagnadh air claiginn Mhic a’ Phearsain. Mise le meas, IAIN MAC DHÒMHNUILL. RICHMOND, SASUNN. [TD 420] [Beurla]