[DA 1] GUTH NA BLIADHNA VOLUME III. 1906. [DA 2] [Bàn] [TD 1] Guth na Bliadhna LEABHAR III.] AN GEAMHREADH, 1906. [AIREAMH 1. A’ CHROIS-TARA THA Eachdraidh Gàidhealtachd na h-Alba cosmhuil ri aon de na h-innleachdan diomhair sin ris an abrar kaleidoscope’s a’ Bheurla. Tha i, mar gu’m b’ann, air a dheanamh suas air fad le mòran de chriomagan beaga dhàthan anns nach ’eil runsuidhichte, no riaghailteachd, r’a faicinn. Tha cogadh no fead a’ leantainn air muin fead ann, mar tha tonn a’ tighinn air muin tuinne air tràigh na fairge, gus mu dheireadh, is éiginn do’n fhear-amhairc a shùilean a thoirt air ais, air dha ’bhi ceannsaichte agus imcheisteach, ’s air a dheanamh dall ach beag leis. ’S e so a’ chùis a thaobh luchd-leughaidh, aig nach ’eil an t-àm no an toil a dhol a stigh innte. Cha ’n ’eil iad a’ faicinn ann ar n-Eachdraidh dad ’sam bith ach trioblaid agus còmhstri. Tha ar cùisean pràbach féin ’gan cur fo dhoilleireachd ro-mhòr; agus o’n a tha iad ’gan tuigsinn an rathad cumhann, ’s ann mar sin tha iad a’ leughadh Eachdraidh. Is iomadh neach a tha mar so ’s an t-saoghal air fad. An ni sin nach ’eil soilleir dhoibh an toiseach, cha ’n ’eil iad a’ ghabhail ris air chòir air bith. Is toil leo a mhàin nithean ro-fhaicsinneach, so-thuigsinn. Mur ’eil Eachdraidh, no dad ’sam bith eile, a dh’ainmeachadh sinn, réidh, [TD 2] soirbh, aon-fhillte, agus direach mar is àill leo a bhith, air ball fàsaidh iad seachd sgith; agus ann an ùine ghoirid, seargaidh iad gu tur. Tha an fheadhainn so cosmhuil ris an t-siol a chuireadh anns na h-àitean creagach. Chual iad am Facal Naomh le gairdeachas; ach cha robh freumh aca annta féin. Mhairidh iad car tamuill, mar an ceudna; ach an uair a thig àmhgar, no duilgheadas ’sam bith, seargaidh iad air falbh gu grad. Ach, saor o choghaidhean agus fheadaibh, cha ’n ’eil ar n-Eachdraidh féin cho duilich a thuigsinn, dubharach, agus air a chur thar a’ chéile, mar a tha mòran a’ cur oirre. Gun teagamh, tha iomadh ni innte a tha fuaighte ris a’ Ghàidhealtachd, ’s an dòigh, agus ’s an tomhas a tha dualach d’ar dùthaich; ach is e so seòrsa de dh’aodainn-fuadain a mhàin, agus’s an taobh a stigh dhith, tha gach ni réidh, soileir, agus so-thuigsinn gu léir. Tha ar n-Eachdraidh féin mar shealladh air dùthaich fad air astar, anns am bheil, air tùs, beanntan agus bailtean, srùthan agus coilltean, gleanntan agus machraichean air an cur thàr a’ chéile air dòigh nach ’eil gu tur soilleir. Ach, ann an ùine bhig, ’s air do’n t-sùil a’ fàs gnathaichte ris, thig gach ni ann réidh, riaghailteach, agus mar is còir da ’bhi. Tha Eachdraidh Gàidhealtachd na h-Alba air a roinn gu léir an tri earrannan. Tha a’ chiad earrann o theachd Righ Fhearghais gu ruig blàr Srath Chathruaidh (1130). Tha an dara earrainn a’ tighinn a nuas o’n bhliadhna sin gu ruig adhartachadh Mhic Dhòmhnuill nan Eilean, ’s a’ bhliadhna 1476; agus tha an treas earrann a’ tighinn a nuas o’n àm sin gu ruig “Bliadhna Thearlaich,” agus blàr Chuil-fhodair (1746). Cha ’n ’eil e duilich Eachdraidh Gàidhealtachd na h-Alba a thuigsinn gu ruig bliadhna arbhar- [TD 3] tachadh Mhic Dhòmhnuill nan Eilean, a chionn gu’m bheil i air a sgriobhadh gu soilleir an Eachdraidh choitchionn na h-Alba. Ach an déigh do Righ Seumas Mac Dhòmhnull nan Eilean a chur fo smachd, agus an tiodal uaibhreach, cumhachdach, sin a thoirt air falbh uaith, cha ’n ’eil e cho soirbh a leigeadh ris dhith; a chionn gu’n robh an tubaist ud ’n a ceann-aobhar dhuinn chum gach ànraidh agus diobraidh a thachair oirnn an déigh sin; agus o’n a tha e ’n a ceann-aobhar dhuinn chum gach “ceannairc” agus còmhstri a thachair anns a’ Ghàidhealtachd an déigh bàis Mhic Dhòmhnuill nan Eilean. Ach, roimh an àm ud, cha ’n eil e duilich Eachdraidh na h-Alba a thuigsinn, mar a thubhairt sinn mu thrath; do bhrigh roimhe ’n tubaist sin, cha robh ’s an duthaich air fad ach dithis chumhachdan—’s e sin ri ràdh, a’chumhachd Ghàidhealach, agus a’chumhachd nach robh Gàidhealach idir. Ach air do Mhac Dhòmhnuill nan Eilean a bhith air a chur fo smachd, agus a thiodal uaibhnach a bhith air a thoirt air falbh uaith leis an Righ, thuit Gàidhealtachd na h-Alba fo aimhreit anabarr ro mhòr, a chionn nach robh neach ’sam bith ’s an dùthaich gu léir aig an robh ughdarras cho mòr, ’s cho farsuinn r’ar cuisean féin a chuir air adhart, agus Gàidheal na h-Alba a dheanamh ’n an aon. Tha Eachdraidh na h-Alba a’ leigeil ris duinn gu soilleir ciod e an t-aobhar a bh’ann chum gach cogadh agus fead a bh’ann eadar Gàidheal na dùthcha agus na coigrich a bha ’n taobh a stigh dhith, an déigh bàis an dara Righ Calum (1034). Thug esan oidhirp an leantuinn-rioghail a chur gu taobh, agus a chinneadh féin a shocrachadh air cathair rioghail na h-Alba, ni nach bu choir dhasan a dheanamh; oir a réir cleachdainnean agus [TD 4] laghanna na dùthcha, b’e Lulaig Mhic Ghillecomgain (Righ Mhoiridh) a bha ’n a fhior-oighre do’n chrùn aig an àm ud. Thoisich, leis a sin, gach trioblaid, culaidh-fharmaid, agus còmhstri a thachair oirnn an déigh sin, an lorg a’ ghlacaidh eucoraich ud. Lean Gàidheil na dùthcha taobh teaghlaich Mhoiridh, agus chath na Sasunnaich agus coigrich eile ’n an aghaidh. Sheas ar dùthaich féin anns an staid chunnartach mhi-fhiosraich aimhreitich ud gu ruig rioghachadh a’ chiad Righ Dhaibhidh, an uair, ’s a bhliadhna 1130, mar a thubhairt sinn mu thrath, thug an righ sin buaidh air teaghlaich Mhoiridh air blàr Srath Chathruaidh, agus aig a’ cheart àm, dh’aonaich e an dùthaich sin ris féin. Thoisich a’ chòmhstri sgriosail so, mar a thug sinn fainear a cheana, le connsachadh mu chòir-sheilbh air cathair-rioghail na h-Alba. Cha robh i air tùs ’n a spàirn eadar Gàidheal is Gall idir. Bha fir teaghlaich Athuil agus fir teaghlaich Mhoiridh ’n an Gàidheil araon; agus o’n a bha e mar sin, b’e droch-còrdadh a mhàin a bha eadar an dà theaghlaich Ghàidhealach. Ach, is ann mar a chaidh an spàirn so air a h-adhart, is ann mar sin a tha e ’toirt a mach ceum air cheum gu soilleir co dhiù gach ni a bha fillte ann, gu h-àraidh gur h-e cath eadar Gàidheal agus Gall a bh’ann. B’e teaghlach Athuil a thoisich a’ chluich chunnartach, fhuilteach ud; agus is ann do bhrigh nach urrainn doibh an cùisean féin a chuir air adhart gun chobhair, gu’n do ghuidh iad air Sasunnaich na h-Alba ’thighinn ’gan cuideachadh. Aig an àm cheudna, thoisich righrean teaghlaich Athuil gu bhith ’n an riaghladairean Sasunnach. Dh’atharraich iad àrd-bhaile na dùthcha o Sgàin gu Dùn Eideann: b’e Righ Daibhidh a thug a steach do’n dùthaich so na cleachdainnean riaghailteach sin ris an abrar am [TD 5] Feudal System ’s a’ Bheurla; agus air iomadh dòigh eile thug iad oidhirp air Gàidheal na h-Alba a chuir fo aimheal. Ach, cha robh so, mar bu dualach duinn, taitneach do mhuinntir na Gàidhealtachd. Dh’éirich muinntir Mhoiridh fo armachd a rìs agus a rìs, agus muinntir Ghàidhealach eile maille riu, an aghaidh righrean na h-Alba, agus an aghaidh an cleachdaidhean coigreachail céin. Anns a’ bhliadhna 1093 dh’éirich Gàidheil na h-Alba air fad fo armachd, agus le Dòmhnull Bàn, Mac dara Righ Calum, air an ceann, thilg iad a mach na Sasunnaich agus coigrich eile as an rioghachd. Anns a’ bhliadhna 1130, dh’éirich muinntir na Gàidhealtachd fo armachd air taobh Aonghais Righ, no Morair, Mhoiridh, agus ann an ùine ghoirid an déigh sin, dh’éirich iad a rìs chum “Calum Mac Aoidh” a chur air cathair riaghail na dùthcha. Anns a’ bhliadhna 1153, bha “ceannairc” Ghàidhealach ann air son Shomhairle Righ nan Eilean. Anns a’ bhliadhna 1164, bhris Somhairle a rìs a stigh do dh’Alba, le armailt mòr de mhuinntir nan Eilean agus de mhòr-thir na dùthcha comhla ris chum an riaghladh Sasunnach a chur air falbh, agus crùn na h-Alba a ghlacadh mar a chuid féin. Anns a’ bhliadhna 1174, bha “ceannairc” Ghàidhealach eile ann air taobh iar-dheas na dùthcha. B’e Dòmhnull Bàn a thog a’ “cheannairc” Ghàidhealach sin a thachair an Alba anns a’ bhliadhna 1181, agus ann an ùine bhig an déigh sin, dh’éirich Guthred Mac Uilleim fo armachd, agus mòran de mhuinntir Ghàidhealach comhla ris. A nis, ciod is ciall do’n chogadh so uile? An e a mhàin, gu’n do chuir muinntir Mhoiridh, agus Gàidheil eile, an teaghlach Mhoiridh air cathair rioghail na dùthcha? Gun teagamh, is ann mar [TD 6] sin a bha e an tòmhas mòr; ach cha’n ann buileach. Is cinnteach gu’n do chog ar sinnsirean-ne air son na cùis sin, ach cha’n ann air son sin a mhàin; oir am bitheantas bha an sùilean-ne ri cùisean agus còirean mòran ni ’s mò na sin. Dh’éirich iad fo armachd air an son féin, ’s an dùthcha, an cainnt, air son an cleachdainnean féin agus Alba, agus an rioghachd air fad. Is ann mar sin a bha, mar tha Eachdraidh ’ga dearbhadh gu soilleir dhuinn, agus is ann mar sin a bhitheas a rìs, ma bhitheas sinn féin fireannach, dileas, seasmhach a thaobh cainnt is dùthcha. A nis, ciod a thachair an Alba an déigh do mhuinntir Mhoiridh a bhith air an cur fo smachd le ard-righrean na dùthcha a bhuineadh do theaghlaich Athuil? Gu grad, chaidh a’ chumhachd agus an seasamh uasal is euchdail a bha aca mar riochdairean Gàidhealach thairis gu righrean nan Eilean. Chuir iad umpa féin an fhalluing bhoidheach Ghàidhealach, agus sheas iad a mach fad re iomadh bliadhna mar churaidhean nan Gàidheal. B’e Somhairle a spion a’ bhratach Gàidhealach a mach a’ làmhan fàilinneach Mhorairean Mhoiridh, agus a thòg i an àird ann am measg nan Eilean. B’e Somhairle a chuir sios mar dhileab a’ bhratach so d’a luchd-leanmhuinn féin, agus a shuidhich a rìs, agus a shin-a-mach an t-seann Bheul-Aithris Ghàidhealach. B’e a’ bhratach so, air an robh “Cainnt is Dùthaich” sgriobhta (theagamh ged nach robh e soilleir air tùs) a thug Dòmhnull nan Eilean an àird ’s a’ bhliadhna 1411, oir ’s gann a ruigear a leas a dhearbhadh gur e crùn na h-Alba air an robh e ’cumail sùla, ’nuair a shiubhail e le armailt mòr o na h-Eileanaibh chum catha a chur ’an aghaidh nan Sasunnach. Tharruingeadh an rùn ceudna a stigh ionnsuidh inntinnean an luchd-leanmhuinn [TD 7] a bha aige. Dh’innis iad gu follaiseach gu’n robh iad ’n an riaghlaidearan air leith, agus air am bonn féin. Dhealbh iad airgiod air an son féin, agus rinn iad còrdadh ri rioghachd chéin eile. Tha cuid ag ràdh, an lorg so, gu’n robh iad ’n am fir-bhrathaidh, fir-cheannairc a thaobh righ is dùthcha; ach cha b’ann mar so idir a bha iad. Bha iad a’ gléidheadh Beul-Aithris nan Gàidheal. A’ bhratach Ghàidhealach air an robh iad air an cuir an seilbh, bha iad mar so a’ cumail suas, le dubhlan, agus gu buannachdail. Thubhairt iad-féin gu follaiseach, agus ann an litir a sgriobh fear dhuibh a dh’ionnsuidh an righ Shasunnaich, gu’n robh iad ’n an riaghlaidearan air leith, air am bonn féin, agus gu’n robh iad, mar a bha an sinnsirean ’n an nàimhdean do righ na h-Alba, agus do’n dùthaich sin a bhuineas da. Ach, air do’n tiodal so a bhi air a thoirt air falbh leis an righ, thuit dùthaich nan Gàidheal air fior droch làithean. Is ann mar dhuine gun cheann, gun ghàirdeanan, gun chridhe, gun ghuth a dh’fhàs ar dùthaich-ne gu grad an lorg na tubaiste sin. Tha cuid ag ràdh gu’n robh e ’n a ni maith air son Gàidhealtachd na h-Alba gu’n robh Tighearnan nan Eilean air an cuir as leis an righ, a chionn gu’n robh iadsan ’n an ain-tighearnan os cionn mòran fhineachan eile; agus air do Dhòmhnull a bhi air a chur fo smachd, leigeadh fa sgaoil na fineachan eile so. Ar leinn, gu’m bheil iadsan gu tur air am mealladh a thaobh a’ bheachd so. An lorg ceannsachaidh nan Eilean, chaill a’ Ghàidhealtachd gu grad, agus an tomhas mòr a’ chumhachd a bha aice anns na linntean a dh’fhalbh chum leanailteachd, chum féin-ceangaltas. Fhad ’s a bha Tighearnan nan Eilean air an ceann, bha Gàidheil na h-Alba làidir, neartmhor, agus aonnichte ri [TD 8] chéile gu h-iomlan. Ach cha b’ann mar sin a bha ’nuair a thug righrean na h-Alba buaidh orra. Thugadh a’ chumhachd a bha aca uatha, agus Bratach nan Gàidheal maille rithe; ach cha d’ thàinig ni air bith eile an àite na bha air a thilgeadh sios. Bha Dòmhnuill nan Eilean air a sgrios; ach cha robh e comasach do righrean na h-Alba dùthaich nan Gàidheal a chuir air a bonn féin. Dh’ éirich fine ’an aghaidh fine, agus teaghlach an aghaidh teaghlaich. Cha robh neach ’sam bith ann aig an robh ùghdarras na’s leòir chum a’ chòmstri sgriosail fhuilteach ud a chumail fodha. Gun cheann-feadhna, gun bhratach, gun chumhachd-teis-meadhonach, chaidh a’ Ghàidhealtachd uile am miosad gu grad. Uidh air uidh, thàinig a steach do dhùthaich nan Gàidheal droch chleachdainnean gun àireamh, aimhreit, eas-aonachd, creachan, mortadh, agus gach seòrsa uilc eile. Cha n-aobhar foghnaidh dhuinn gu’n robh na Gàidheal ’n am muinntir aineolach, allmharach, aimhreiteach aig an àm mhuladach sin. Ach, fa dheoidh, thàinig an àrd-righ gu Gàidhealtachd na h-Alba, agus ’n a chois, aineolas, buirbe, cleachdainnean is luchd-comhairle Sasunnach, a’ Bheurla, agus mòran ni eile nach ’eil a’ cordadh dhuinn idir. Agus a nis, ’s ged a thàinig an àrd-righ ionnsuidh dùthcha nan Gaidheal, thuit Gàidhealtachd na h-Alba da-rireadh air droch làithean; agus is ann mar so a bha i air fad mhòran bhliadhnaichean a bha fathast ri tighinn oirre. Gu grad, chuir an Crùn a chùl ris a Ghàidheal ’s ris a’ Ghaidhlig, agus thug e air falbh leis gu dranndanach, féin-chùiseach gach cothrom agus tachartas a thàinig ’s a rathad chum dùthaich nan Gàidheal a chuir am feabhas. Mhair an rian so fad iomadh bliadhna; ach fa dheòidh rinneadh agus chuireadh a mach innleach- [TD 9] dan-riaghlaidh eile. Fhuair a’ chiad Righ Tearlach a mach agus a chuid-cùairtearan—’s e sin ri ràdh iadsan a bha ’cumail taobh ris ’an aghaidh luchd-leanmhuinne Chrombheill—gu’n robh na Gàidheil ’n an gaisgich threuna, agus, gun teagamh (foillseachadh na ’s mò na sin dha’n taobh féin), gu’m bitheadh iad ro fhéumail dhoibh mar chompanaich an àm doibh a’ dol a chogadh an aghaidh an nàimhdean-ne. So, a nis, am bann a chaidh a dheanamh eadar righ na h-Alba agus muinntir na Gàidhealtachd. Thubhairt a’ Chùirt nach buineadh iadsan ri cùisean is gnothaichean na Gàidhealtachd; agus cheadaich cinn-fheadhna dùthcha nan Gàidheal, air an dara làimh, a’ bhratach rioghail a chumail suas, mar a b’fheàrr a dh’fhaodadh iad. Gu dearbh chàraich am bann so buil neònach, bhreisleachal, air muinntir na Gàidhealtachd; do bhrigh gu’n d’thug e orra a’ bhi ’n an luchd-cumail suas agus ’n an luchd-dionaidh nan Stiubhairteach—an t-aon teaghlach an Alba air fad leis an robh Gàidheil na dùthcha am bitheantas air an cumail fodha ’s air an docharaicheadh air dòigh a bu mhutha. Gun teagamh, dh’fheudadh mòran a bhith air a chur an céill mu na nithibh so; ach cha’n ’eil àite againn air an son aig an àm so. Dh’fheuch sinn r’a leigeil ris da’r luchd-leughaidh cia mar a thachair do Ghàidhealtachd na h-Alba a’ bhith ’n a cùil-taic, agus ’n a dionadair do na Stiubhairtich, leis an robh i am bitheantas air a cur am mi-shuim, agus cho mòr air a dearmad leo fad mòran bhliadhnaichean. Ach, ged nach robh an co-aontachadh so gu h-iomlan maith air son dùthcha nan Gàidheal, oir thug e a steach do’n Ghàidhealtachd droch spiorad cogaidh is aineolais, agus a tha maireann gus an làtha an diugh; gidheadh, tha sinn ag aideachadh gu’n robh i ni maith a thaobh aoin nithe co dhiù—is e sin ri [TD 10] ràdh, gu’n do chum e suas a’ bhratach Ghàidhealach, agus gu’n do ghléidh e a’ Bheul-Aithris Ghàidhealach air dhòigh nach robh comasach, theagamh, do rud ’sam bith eile a dheanamh. Bha roimhe so daoine cealgach, féin-chùiseach ann am measg nan Gàidheal, mar a tha, ’s mar a bhitheas, gun teagamh, gu crich an t-saoghail so; ach a dh’aindeoin sin, cha robh a’ chuid bu mhò de mhuinntir na Gàidhealtachd ’n an daoine cealgach, faoine, féin-chùiseach aig an àm ud, ni ’s mò na tha iad an diùgh. Chog ar Sinnsirean an aghaidh Chrombheill, ’s an aghaidh Righ Uilleim, ’s an aghaidh na h-Aonachd, agus air taobh an 8mh Righ Seumas agus a mhic Prionnsa Tearlach, cha’n ann a chionn gu’n deachaidh am bribeadh le òr is airgiod a chum sin a dheanamh, ach a chionn gu’n d’thug iad gràdh do’n Gàidhealtachd; gu’n d’thug iad gràdh do’n bhrataich againn, agus a chionn gu’n d’thug iad, mar an ceudna, gràdh ’s onoir da’r Beul-Aithris Ghàidhealach. Agus tha so ’gar ’toirt air ar n-aghaidh gus ar ceann-teagaisg a rìs. Agus is e sin ri ràdh ann an aon fhocal a’ Chrois-Tàra, no, “is ann mar so a bha, agus is ann mar so a bhitheas,” mur bi sinne lag, faoin, mi-chreidmheach agus mi-dhileas a thaobh nan daoine o’n d’thàinig sinn. Is fior, gu labhairt an cainnt chumanta, gu bheil ar làithean-cogaidh mar o shean. Chuir sinn seachad gach claidheamh agus dag, biodag agus sleagh. Ach a’ bratach bhoidheach Ghàidhealach air am bheil na focail misneachail, brosnachail, beothachail, a leanas air an sgriobhadh gu soilleir, gu comharraichte, agus, ar leinn, gu bràth “Cainnt agus Dùthaich”; is e sin gu dearbh fathast ann ar measg. Is leinn féin a’ bhratach bhoidheach sin: is leinn féin an t-sean Bheul-Aithris Ghàidhealach. Togaibh suas [TD 11] a’ bhratach gu h-àrd! Togaibh an sean iolach ris na speuraibh!” Albainn! Albainn!”—an t-sean chath-gairm Ghàidhealach. An diùgh an t-àm taitneach! An diugh an uair iomchuidh! GAELIC CONFEDERATION [Beurla] [TD 12-24] [Beurla] [TD 25] [Beurla] THE GRAY KIRK [Beurla] [TD 26-29] [Beurla] [TD 30] CREIDHIMH AGUS CAINNT [Beurla] [TD 31-39] [Beurla] [TD 40] [Beurla] ORAN SGARBA [Chaidh an dàn so a leanas a sgrìobhadh le Alasdair Dòmhnullach, ris an abrar ’sa Bheurla Sandie Ashtree, a thug iomadh bliadhna ’na dhorsair do na Manaich ann an Cille Chinmein. Dh’eug Alasdair o chionn ghoirid, agus e gle aosmhor, agus fo mhór spéis aig gach aon a chur eòlas air. Chaidh an dàn so a sgrìobhadh ’nuair a bha Alasdair a’ fuireach anns an Eilean Sgarba.] Fonn:— ’Gheola dhubh air barr an t-sruth, ’S e ’gheola dhubh fo ’h-aodach, ’Gheola dhubh air barr an t-sruth, Gu fulangach ri gaoith. [TD 41] ’S i ’tighinn leis na litrichean, ’S i ’tighinn leis na daoine, ’S i ’tighinn leis na litrichean, Gach fios a tha ri fhaotainn. ’Gheola dhubh, etc. Mac Pharlain ’s e ’ga stiùir dhuinn, ’S muir ghorm ri éirigh, ’S e ’tighinn a nall gu Sgarba leinn, Gur earbsach bhithinn féin as. ’Gheola dhubh, etc. Tha Dughal òg cho misneachail, ’S deagh sgiobair ’nuair a dh’fheumas, Gu’n toireadh e gu cala sinn Ged bhiodh e ’n geall le seideadh. ’Gheola dhubh, etc. As dar bhitheadh Ian Mac Lachlainn ann Gur baigheach leam ri mo thaobh e, Cha bhiodh geilt no curam orm Le stiùir bhi ’n làimh an laoich ud. ’Gheola dhubh, etc. Gur tric chaidh mise Lunga, Leis a’gheola dhubh ’san togradh, Bhiodh Maggie Brown gu furanach, Cur cuireadh orm daonnan. ’Gheola dhubh, etc. Dar chaidh mi sìos gu Fladda, Bha catterich (?) ’na ’h-aodann, Bha Dughal a’ sìor àithn’ orm, Na ràimh ’chuir ’n àite aodaich. ’Gheola dhubh, etc. [TD 42] Dar chaidh mi Bhial na h-uamha, Bha gaoth á tuath ’si beucaich, Na sruthan bha iad uamhasach. Na cuartagan ag éirigh. ’Gheola dhubh, etc. Dar chaidh mi suas gu Garbhallach Bha ’n fhairg’ le feirg ag éirigh, Thuirt Mac-an-Léigh ged eòlach e, “Tha ’n Dòmhnullach ’na eigin”. ’Gheola dhubh, etc. Sin dar labhair Caristiona: “Tha thuigs’ agam mu dheighinn, Cha ghabh mi fhéin mo storas, Ma ’se ’n Dòmhnullach a gheilleas”. ’Gheola dhubh, etc. Ged ’s iargalta bharr cladaich e, Na gabhadh sibh bonn curaim, Nach dean a’ Gheola calla dheth, Le Alasdair ’ga stiùireadh. ’Gheola dhubh, etc. An àm bhi ’tilleadh dhachaidh leatha, Gu’m b’astarach mo dheidh, ’Dhol tarsuinn Coire Bhreacain, Cha’n fhaic i le beum sleibhe. ’Gheola dhubh, etc. Dar ràinig mise m’ acarsaid, ’Us ghabh mi beachd gu geur oirre, Bha ’h-uile sparr ’us ball ’us seòl Bha innte ’n òrd’ mar teudan. ’Gheola dhubh, etc. [TD 43] WHO IS “RIGH NA H-ALBA”? [Beurla] [TD 44-63] [Beurla] [TD 64] GAELIC ARTS AND CRAFTS ARCHITECTURE [Beurla] [TD 65-72] [Beurla] [TD 73] [Beurla] GAELIC ORTHOGRAPHY [Beurla] [TD 74-84] [Beurla] [TD 85] [Beurla] SOME MORAY PLACE NAMES [Beurla] [TD 86-87] [Beurla] [TD 88] THE ISLE OF WINGS [Beurla] [TD 89-90] [Beurla] [TD 91] [Beurla] I CHOLUIM CHILLE Is tiamhaidh, muladach, na smaointean a dhùisgear anns an inntinn an uair a ghluaisear tre làraichean aosmhor I Choluim Chille. Is firinneach a labhair esan aig an robh cridhe gu so a thuigsinn, agus cainnt a bu shnasmhoire gu ’chur an céill. “Bha sinn a nis (deir an t-Ollamh Sasunnach) ’n ar [TD 92] seasamh air an Eilean ainmeil sin a ’b àrd lòchran, fad linntean do Ghàidhealtachd na h-Alba, as an d’fhuair cinnich fhiadhaich, agus ceathairne bhorba sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dh’fheuchtadh ris, an inntinn a thogail o na smaointean a dhùisg an t-àite so, agus b’amaideach an oidhirp, ged a bhiodh e comasach. Ge b’e ni a thàirngeas sinn air falbh o chumhachd ar ceud-fàithean; ge b’e ni a bheir do na shiubhail o chian, no do na tha fathast ri tachairt, làmh-an-uachdar air na tha làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar bhithean tuigseach. Gu ma fada uam-sa, agus o m’chàirdean an fheallsanachd reòta sin a dh’aomadh mi gu gluasad gu caoin-shuarach, eutrom, thar aon ait’ a dh’fhàgadh urramaichte le gliosas, le fearalas, no le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh d’a dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharatoin, no a chràbhadh a blàthachadh ’am measg làraichean briste I Choluim Chille.” Cò esan a bha riamh’s an àite so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so? Tha a’ chuid a’s mò de na leacan a nis gu dearbh air am folach fo ’n ùir; ach tha gu leòir fhathast r’am faicinn gu gliocas a tharraing uatha. Chi sinn an oidhirp a daoin’ uaibhreach gus an ainm a chumail air chuimhne; ach mo thruaighe! cha ’n i ’n eachdraidh a tha air a gearradh air leac-lighe a choisneas an cliù nach téid as, no a dh’fhàgas an t-ainm neo-bhàsmhor—’s iad na h-ionracain a mhàin a chumar an cuimhne shiorraidh. Iadsan aig am bheil an ainm sgriobhta air nèamh—is coma c’àit’ an càirear cuirp nan daoine sin, co dhiù is i ’n leac-lighe riomhach, no fòid gorm a chuirear thairis orra. Faodaidh daoine an di-chuimhneachadh, ach [TD 93] bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh fa chomhair Dhé. ’S e so a choisneas an cliù nach searg. Cha ’n ’eil gach cuimhne thalmhaidh ach gèarr. Bithidh gach teangadh a luaidheas ar cliù ann an latha no dhà balbh. Na lithrichean a tha air an gearradh air a’ chloich a’s buaine, no air a deargadh le peann iarainn air a’ chreig a’s maireannaiche, ann an linn no dhà cha bhi ann an comas nan sùl a’s géire a leughadh. Tuitidh an leac ’n a smùr, agus fàilnichidh a’ chreag féin; ach cliù agus ainm nan Naomh a chaoidh cha chaochail. ’N an luidhe ’s a’ chladh so, ’s cinnteach mi gu’m bheil iomadh aon a bha suarach m’a chéile fhad ’s a bha iad beò—seadh, a’ co-stri, ’s a’ cath an aghaidh a chéile—cinn-fheadhna threuna, le ’n ceatharnaich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlàr-catha, agus, theagamh, a thuit le claidheamh nan ceart daoine ’tha ’nis ’n an luidhe ’s an ùir r’an taobh. “’S i so gu deimhin,” thubhairt mi, “Tir na di-chuimhne, far nach ’eil othail no stri.” Ma bha leapaichean na h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, ’s ann an uaigneas fàsail I Choluim Chille. Bho cheann iomadh linn bha ’n t-Eilean ainmeil so, far an robh a’ cho-lion duine naomh agus diadhair urramaichte, agus a cho-pàirtich solus an t-Soisgeil do dhùthchaibh agus do rioghachdaibh eile, air ’fhàgail e fhéin gun eaglais, gun fhear-teagaisg suidhichte, no aoradh follaiseach, ged a tha àireamh mòr sluaigh a chòmhnuidh ann. (1) Bu chianail an t-atharrachadh so do I, agus bu neo-chliùiteach e r’a aithris; ach tha linn a’s feàrr a’ teachd mu’n cuairt. Tha e air innseadh gu’n dubhairt Colum Cille, tamull beag mu’n do chaochail e:— (1) Chaidh so a sgriobhadh ’s a’ bhliadhna 1828. [TD 94] “I mo chridhe, I mo ghràidh ’An ait’ guth Manaich bi’dh geum bà; Ach mu’n tig an saogh’l gu crich Bi’dh I mar a bha”. Thàinig a’ cheud chuid de’n fhàidheadaireachd gu h-eagnaidh mu’n cuairt; ach cò dhiù a bhios i gu bràth cho urramaichte ’s bha i, tha e decair a ràdh. Ann an iomadh atharrachadh an t-saoghail chaochlaidich so, cò ’s urrainn ’innseadh ciod a dh’fhaodas tachairt? Mar so labhair an duine còir ainmeil sin d’am b’ainm Tormaid Mac Leoid, a chaochail anns na bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Ach ged a bha e ’cur an fhàidheadaireach le Colum Cille an teagamh, cha’n ann mar sin a tha sinn féin (a tha ’n ar Caitliceaich), a’ ghabhail rithe. Cha’n eil teagamh againn nach ’eil miannach le Dia staid agus cor Eaglais naomh Chaitliceach na h-Alba—an aon Eaglais fhior a th’ann ’s an àm so, air aghaidh na dùthcha. Bha Eaglais na h-Alba da rireadh air an àm ud ann an deuchainn mhòir, agus fo gheur-leanmhuinn eagalaich—fo àmhghair theintich anns an dùthaich; gidheadh, cha robh i air a sgrios, do bhrigh gu’n robh Dia agus a Naoimh maille rithe, agus ’n a meadhon. Agus na rinn e air son ’Eaglais, ni e air son ’Eaglais a rìs, mar a gheall Colum Cille gu soilleir dhuinn. Cuin a bha Eaglais Chaitliceach riamh ann an teinn, no ann an àmhghar nach robh Esan ’n a meadhon gu a dion? Is minic a bha ’n Eaglais mar phreas a’ lasadh agus a réir coslais an impis a bhi air a losgadh as—gidheadh bha ar Tighearna Beannaichte agus a Mhathair Naomh gun smal maille rithe. Ri na linntean a dh’fhalbh, bha mile an déigh mhile air an téarnadh nach “lùbadh an glùn do Bhàal,” agus [TD 95] cha robh na h-amannan sin ann ’s nach robh còrr dhuine dileas chum Creidimh agus dùthaich, agus diadhaidh, r’a fhaotainn an Alba. Anns na làithibh dorch’ an 6mh Righ Seumas, an uair a bu mhuladaiche cor na n-Alba—’nuair a bha sinn ann am bràighdeanas, mar gu’m b’ann, cho cruaidh ’s gu’n do chroch sinn ar clàrsaichean air na geugaibh seilich, ’s nach dùraicheadh sinn leis a’ mhulad aon de laoidhean Shioin a sheinn—an uair nach robh cothrom againn Aifrionn Naomh Choluim Chille ’éisdeach—cha do sgriosadh Eaglais Chaitliceach na h-Alba. Bha’m preas fada fada r’a theine; ach fada mar bha e, cha thréig Dia agus a Naoimh-san e. Dh’éirich Eaglais na h-Alba as an luaithre theintich. Thogadh na eaglaisean a rìs, oir cha do loisgeadh am preas. O’n àm sin a nuas gu linn an 4mh Righ Uilleam, bha cogadh is co-stri gun fhios, gun tàmh an aghaidh na firinn; ach cha do bhuaidhich geur-leanmhuinn agus laghannan neo-ghlic, eucorach, air muinntir Chaitliceach na h-Alba. Is iomadh geur-leanmhuinn loisgeach, cruaidh, fuilteach a rinneadh air an Eaglais. Ciod e eachdraidh na h-Eaglais ach eachdraidh air geur-leanmhuinn? Agus an Alba, an Eireann, agus an Sasunn, eadhon anns an Roinn-Eòrpa air fad, cia h-uamhasach na deuchainnean teinteach troi’n d’thàinig i! Cia liughad comunn a bha aon uair ainmeil mar Eaglais air an t-saoghal, a tha gu tur air an sguabadh air falbh! Agus iomadh eaglais a tha ’nis a’ togail an cinn gu h-àrd—a tha ainmeil ’n an là agus ’n an linn féin, sguabar air falbh bhàrr aghaidh an talaimh. Faodaidh Dia an coinnleir de fhior chreidimh ’atharrach o àite gu h-àite, a thoirt air falbh, mar gu’m b’ann, o aon tir, ’s a shuidheachadh ann an tir eile; ach an solus priseil so—solus ’Eaglais féin—cha mhuchar e a chaoidh. Tha [TD 96] ’n gealladh Choluim Chille againn gu’m biodh I mar a bha, mu’n tig an saoghal gu crioch. Is leòir sin. Agus nach thubhairt ar Tighearna Iosa Criosta e féin mu dhéighinn ’Eaglais nach dean geataichean ifrinn buadhachadh orre am feasd? Mar sin, na biodh eagal oirbh: bithibh air deadh mhisneach sibhse uile ’tha air bheag chreidimh; oir— “... mu’n tig an saogh’l gu crich Bi’dh I mar bha”. IAIN MAC AN ABBA. [TD 97] Guth na Bliadhna LEABHAR III.] AN T-EARRACH, 1906. [AIREAMH 2 A’ GHÀIDHLIG AGUS NA SGOILEAN AIG a’ chruinneachadh mhòr a thachair anns an Oban a chionn beagan mhiosan, thuirt fear de na luchd-labhairt a bha ’lathair, agus e a’ cur an céill na smuaintean a bha aige a thaobh inbhe agus suidheachaidh na Gàidhlig ann an sgoilean na Gàidhealtachd—thuirt e, tha sinn ag ràdh “this was not a question of preserving the Gaelic language but of educating the people of the Highlands through the medium of their own tongue”. (1) Mar so labhair an duine so, agus a réir coltais gun dùlan no gearan sam bith air an taobhsan a bha ’lathair. Theagamh, nach robh na briathran a labhair an duine so air an cur sios focal air fhocal, no mar bu choir dhoibh a bhi, agus gu’n robh feadhainn ann ris nach robh na briathran a’ cordadh, agus nach robh idir glé thoilichte leo. Ach biodh sin mar a bhitheas e, is cinnteach gu’m bheil mòran ann a tha ’beachachadh air a chùis so mar a bha an duine so a’ gabhail rithe, agus a tha ’sealtuinn air a’ Ghàidhlig mar mheadhon chum chriochan agus mar inneal-ionnsachaidh a mhàin. (1) Highland News. [TD 98] Is toigh leosan a’ Ghàidhlig, deir iad; ach cha’n ann a chionn gur i ar cainnt féin i, agus a chionn gur i suaicheantas ar dùthcha féin; ach do bhrigh gur i a’ chainnt a’s mò a labhar agus a’s cumanta ann an Gàidhealtachd na h-Alba, agus a chionn gu’m bheil e soilleir nach fhaod iad dol air an adhart chum oigridh na dùthcha ionnsachadh as a h-aonais. A nis, cha cheutach leinn idir idir a’ bharail so; agus o’n is cleachdadh leinn (mar is aithne gu maith d’ar luchd-leughaidh) ar n-inntinn féin a chur an céill gu soilleir, gu fearail; is éiginn duinn sin a labhairt mu’n chùis so gun eagal, ’s gun fhàbhar sam bith. Air tùs, is i Ghàidhlig ar cainnt féin, a fhuair sin o Dhia; agus co dhiù tha e buannachdail dhuinn ar cainnt fèin a chumail suas no nach ’eil, is e dleasnas luchd-leughaidh Ghuth na Bliadhna, agus dleasnas nan uile sin a dheanamh gu cridheil, gu sunndach, agus gu h-eudmhor. Tha fios aig gach fear ’san t-saoghal gu léir gu’m bheil a’ Ghàidhlig ’n a cainnt fheumail, ro shean, fhoghluimte agus airidh air spéis mhòir; ach saor o sin, agus ged a bhiodh i ’n a cainnt an-uasal, gun fheum, gun spéis air bith an sùil an t-saoghail; gidheadh bhiodh e fathast ar dleasnas solaimte a cumail suas ’s a leantuinn suas, agus a cur air adhart le’r n-uile chridhe:— “An leig sinn eachdraidh chaomh ar tir’ A sgriobhadh de gach clàr, ’S a’ Ghàidhlig chòir a chur a dhith Le linn nach tuig a gnàths’? Ar cànain aosda, glòrmhor, binn, A dhùisgadh fuinn nam Bàrd, Am fan sinn diomhanach gun sùim ’Us daoi ’ga cur gu bàs?” [TD 99] Tha e air a ràdh le cuid gur e ionnsachadh no foghlum a’ cheud ni agus gur i a’ Ghaidhlig an dara cuspair. Is coma leosan co dhiù ma gheibh a’ Ghàidhlig bàs no nach fhaigh, ma bhios “ionnsachadh” air a chuir air adhart air an dòigh a tha iad ’smuaineachadh ’s ’gabhail rithe. “Is i a’ Ghàidhig a’ chainnt dhùthasach aig còrr is deich mile air fhichead de sgoilearan (deir iadsan); agus a chionn gu’m bheil so mar so, tha sinn a’ spàrradh oirbh feum iomchuidh a dheanamh dhi ann an sgoilean na Gàidhealtachd, agus do bhrigh nach fhaod sinn dol air ar n-adhart as a h-eugmhais. Co dhiù a bhios sin ’n a ni maith no olc, beag no mòr, thaobh cumail suas na Gàidhlig mar chanain beò, cha’n urrainn sinn a radh; agus is e ar barail-ne nach fhaod an dà cheist so a bhi air an cur air mùin a’ chéile. Is freagarrach do’n làtha an t-olc a th’ann; agus tha sinn a’ meas gu bheil ionnsachadh muinntir na Gàidhealtachd ’n a ni mòran ni’s mò, agus ni ’s cudthromaiche, do’n t-sluagh air fad na tha cumail suas agus sgaoileadh na Gàidhlig.” Is ann mar sin a tha mòran ann ar measg a’ beachd-smuaineachadh mu’n chùis so; agus is éiginn duinn aideachadh nach ’eil am beachd sin a còrdadh ruinn air chor air bith. Tha sinn ’meas gur i a’ Ghàidhlig a’ cheud ni; do bhrigh gur i cainnt a tha ’n a comharra agus ’n a h-anam do mhuinntir no chinneach air bith. Agus ciod a buannaicheas e dhuinn an saoghal a’ chosnadh, agus gun a bhi sealbhachadh ar n-anam féin? Ach, gu sona co dhiù, cha’n ’eil feum againn a bhith spàrradh air adhart na Gàidhlig do bhrigh gur i cainnt ar dùthcha i a mhàin, ged is fior gu bheil sinn gu tur deas, réidh, sin a dheanamh air an aobhar ud féin. Ach is ro fheumail a’ chainnt [TD 100] a’ Ghàidhlig. Tha i anabarrach sean. Tha foghlum mòr, sgéimh, agus luachmhoireachd aice. Tha i ro fheumail do neach air bith aig a bheil miann air cainntean eile na Roinn Eorpa dh’ionnsachadh chum labhairt no sgriobhaidh. Tha i aig bonn de’n chuid a’s mò de na cainntean a’s cuirteile, agus a’s foghluimte ’s an t-saoghal, agus a tha mairsinn aig an làtha an diugh; agus, ni na ’s mò na sin, tha i mar iuchar dhoibh sin uile. Cha’n ’eil i idir ’n a cainnt do-lubaidh, bochd, neo-fhoghluimte, neo-shnasmhor, neo-choimhlionta; ach, air an dàra làimh, tha i ro lubaidh, oileanaichte, ardmhodhail, làn, gu h-anabarrach briogh-mhor. A’ chainnt so a bhuileachadh oirnn le Dia, agus a tha daoine foghluimte air feadh an t-saoghail ’ga moladh ’s tha iad a’ gabhail farmaid rithe a chionn ’s gu’m bheil i cho aosmhor binn; am bith sinn cho faoin, cho aineòlach agus mi-thaingeil agus i a cur an neo-shuim, agus ’ga leigeadh dol gu bàs? Nar leigeadh Dia! “’Si ’n canain Am beul nam Bàrd ’s nan eoin, ’S fearr gu càineadh, O linn Bhabel féin, ’Si ’s fearr gu moladh, ’S a’s torrunnaiche gleus, Gu rann no laoidh, A tharruing gaoth tro’ bheul, ’S fearr gu comhairl’ ’S gu gnothach chuir gu feum, Na aon teang’ Eorpach, Dh’aindeoin bòsd nan Greug.” Tha fios aig gach creubh gu bheil neach air bith aig a bheil dà chainnt, mòran ni ’s feumail agus ni ’s foghlumaichte na esan aig a bheil an [TD 101] aon chainnt a mhàin. Tha e moran ni ’s tapaidh, sgairteile na t-aon-chainnteach, agus tha an dòigh a tha aige chum sealltuinn thairis air an t-saoghal agus air gnothaichibh aimsireil is spioradail mòran ni ’s àirde, ’s farsuinne na tha aig esan aig a bheil an aon teanga a mhàin; mar tha an duine aig am bheil a dhà-shùil mòran ni’s feumail dha féin ’s do’n chinne-daoine gu léir na esan a tha cam. Is ann air a’ bhonn so a tha sinn a spàrradh air aghart na Gàidhlig, agus ag iarridh a toirt a steach anns gach sgoil air feadh Gàidhealtachd na h-Alba, a chionn gur h-i ar cainnt féin i, a fhuair sinn o Dhia, agus a chionn gu’m bheil i ro fheumail duinn; ’n a meadhon chum eòlais mhaith fhaotainn, agus ’n a sealbhachadh priseil, luachmhor, air an taobhsan aig am bheil miann chum dol a staigh do’n t-saoghal mhalairteach, no do na dreuchdan foghlumta. Is e so, ma tà, à chréud Ghàidhealach a thaobh ar cainnt féin. Esan nach creid e gu h-iomlan, gu ceart agus gu daingeann, cha’n airidh e ’bhi ’na Ghàidheal, no eadhon fiuthal air an ainm aluinn bhoidheach sin. WHO IS “RIGH NA H-ALBA”? [Beurla] [TD 102-119] [Beurla] [TD 120] [Beurla] DE-ANGLICISATION [Beurla] [TD 121-132] [TD 133] [Beurla] GAELIC ARTS AND CRAFTS JEWELLERY [Beurla] [TD 134-141] [Beurla] [TD 142] [Beurla] GLEANN COMHANN “LE’R cead, c’ait’ am bheil Gleann Comhann, oir chuala mi feadhainn a’ bruidhinn air an là roimhe. An e àite ainmeil a th’ann?” Matà, m’eudail, tha’n t-àite ainmeil gu leòir; oir tha an Gleann fuaighte ri eachdraidh a tha cho tiamhaidh ’s tha air chunntas. Tha Gleann Comhann suidhichte ann an taobh tuath Siorrachd [TD 143] Erraghaidheal, a’ sinneadh a suas an ear dheas bho thràigh Loch Leimhan. Tha baile ’n cois na tràighe aig bràighidh a’ chladdaich ris an cannar a’ Chàrnach. Air taobh thall na h-aimhne, tha Taigh-mòr Inbher Chomhann agus Tòrr a’ Chomhann air a chùlthaobh. A’ leanailt an rathaid-mhòir, agus an déigh dhut dol thar drochaid Chomhann, ’s e a’ cheud bhaile-fearrain air an d’thig thu a’ Chraoit. Tha Inbher Ioghain mu d’choinneamh air taobh eile na h-aimhne. Tha moran am beachd gur th’ann an so a bha Mac Mhic Iain a’ fuirach aig àm a’ mhuirt, air an d’thoir mi cunntas mu’n cuir crioch air mo sgeul. Tha rithist Achadh nan Con a suas roimhad air a’ cheart taobh do’n amhainn air a bheil Inbher Ioghain. Cum air do cheum, agus thig thu dh’ionnsuidh Lic an Tuim. Air dhut Leac an Tuim ’fhàgail air do chùlthaobh, bithidh an àth stad agad aig Clachaig. Tha’m barrachd cothrom agad a nis air deadh shealladh ’fhaotainn air Achadh nan Con taobh eile na h-aimhne. So agad a nis, Clachaig. Rach a staigh, agus leig t’anail. Theid mise ’n urras dut gu’m faigh thu aoidheachd o bhean-an-taighe, oir bha an fheadhain a thainig mar a thainig ise ainmeil feadh na dùthcha airson cairdeas is caoimhneas ris a h-uile duine fiachail. Tog ort, a ris, agus bi a’ triall. Nach b’fhior a thuairt mi riut gu’m faigheadh thu fàilte agus furan o bhean Chlachaig? Gabh a nis air d’adhart, agus gabh beachd air an uamhas a tha romhad. So agad Lochan-Acha-Triachadain. Thoir sùil suas air do làmh dheas air a’ bheinn uamhasach tha sud. Cha’n e ’mhàin gu bheil i na ’s direiche na saighead, ach ’s ann a tha i ag aomadh a mach bho a mullach air dhòigh agus nach b’urrain do dhuine ’s am bith direadh a suas [TD 144] rithe. Ach seall a nis air an fhosgladh a tha ’na cliabh, leth an rathaid gu mullach: so agadsa, a Mhic chridhe, Uamh Oisein Mhic Fhionn. Suas, direach romhad, chi thu an “t-Innein,” agus air do làmh clith tha ’n “Eigin” agus “Bidan na Miann”. Tha na ceudan do luchd-turuis as a h-uile ceàrn de Rionn-Eorpa, agus à America a’ tighinn a h-uile bliadhna a ghabh beachd air an uamhas-nàduir ’tha an Gleann so a’ nochadh: a h-uile air a bhi air tàladh le eachdraidh thiamhaidh “Murt Ghlinne Comhann”. Ciod a nis air beachd a b’aobhar do’n droch-dhiol a chaidh a dheanamh air sluagh a’ Ghlinne aig àm a’ Mhuirt? Mo cheisd! Is iomadach aobhar a tha air a thagradh; ach ’s ann Dia a mhàin a tha bràth! Bhiodh nàimhdean muinntir a’ Ghlinne a’ cuir na braide as an leth. Co dhiù, tha e fior ’s nach ’eil ’s ann aig an fhortan mhòr a tha bràth. Anns na làithean a dh’fhalbh, bha nàimhdeas mòr eadar muinntir Lochabar agus muinntir Ghlinne Comhann. Cha’n fhaigheadh an Gleann ainm a b’fhearr o na h-Abaraich na “Gleann Comhann Slochd domhain na Meirleach”; ach fhreagaradh muinntir a’ Ghlinne le bàrdachd ghrinn, agus theireadh iad, a toirt do na h-Abaraich comain an làmh:— “A bhriogaisag chloimhach, cha’n eil i ’Ghleann-Comhann, Cha ghoidadh iad gnothach cho suarach ’S ann tha i an Lochabar aig Sliochd nam fear-bradach Aig Ailein ’ga fallach ’s na bruachan.” Agus, gus an làtha an diugh, seadh, ann an suain thruim a’ bhàis, ann an cladh Eilean Mhuna, [TD 145] tha iad ’nan sineadh, fo’n fhòid, fada bho chéile aig dà cheann an Eileain. Gun amharus, bha ’bhraid air a cuir as leth Cloinn Dòmhnuill a’ Ghlinne. Bhiodh na Caimbeulaich—muinntir Bhraid-Albann agus Earraghaidheal—seadh, agus mòran eile, a’ cuir oirre gu’m biodh iad a’ togail cruidh agus spreidh agus iomadh ni eile nach buineadh dhoibh féin—a dh’aon fhocal gu’n robh iad mi-chuimhnach air aithne a tha ’ràdh “na dean gadachd”. Co dhiù ’bha Cloinn Dòmhnuill a’ Ghlinne bradach no gadach, bu mhath an leisgeul e gus an cuireadh as doibh. Tha mo bharail féin agus mo bheachd agam air a’ chuis. Ged a chaidh Mac Mhic Iain a h-uile ceum do dh’Inbheraora a thoirt a mhionnan, agus a nochadh ùmhlachd do’n Righ ùr a bha’nn, bha e air dhéireadh, bha tuille ’s fada. Chaidh a bhinn, agus binn a shluaigh a thoirt a mach. Bu “Phàpanach” e! B’ann do’n Eaglais a shuidhich Iosa Criosda air thalamh e. A dh’aon fhocal, b’e a Chreideimh a dhith e! Ciod an dearbhadh a th’agad air a bharail so? Tha beul-aithris an t-shluaigh! Tha e fior gu leòir nach ’eil so air ainmeachadh ann am paipeirean diomhair na rioghachd. Ach mar a thuirt daoine foghluimte riumsa, bha e furasda gu leòir so a chleith ann am paipeirean diomhair na rioghachd aig an àm. Éisd ris na briathran so. Sgriobh mi a dh’ionnsuidh an Athar Stephenson nach mairean mu’n cheart ghnòthach so. Cha robh ann fear a b’eòlaiche air cuisean na h-Alba na esan. Ciod a thubhairt e? “Neither Dalrymple nor Macpherson tells us anything for or against the Catholicity of the Macdonalds of Glencoe. My impression always was that religion had a great deal to do with the massacre. The question of religion could easily be given the go-bye in such an investigation.” [TD 146] ’Nuair a chuir an duine grinn, còir, an Ridire Eanrig Creag, a mach ’eachdraidh na h-Alba, bha e ’labhairt air a’ cheart àm ud. Sgriobh mi d’a ionnsuidhsan cuideach, agus is i so an fhreagairt a thug e dhomh. “I cannot say that I have come upon any proof that religion had any decisive part in the Glencoe affair. No doubt it served to swell the prejudice against the clan, but I do not think that at that moment religious motive was very prominent in the minds of any of those responsible for Scottish affairs.” Mar a thuairt mi cheana, tha beul-aithris sluagh na dùthcha diorrasach, diongmhalta mu’n chuis. A thuilleadh air a so, tha’m Bàrd Mucanach a rinn Marbhrann Murt Ghlinne Comhann a’ nochadh a chreideas so, ’nuair a tha e a’ seinn:— “Lamh Dhé leinn a shaoghail! Tha thu carach, mar chaochla nan sion, A ni nach guidheamaid fhaotainn Mar na sruithibh ag aomadh a nios. ’S i chneidh fein, thar gach aobhar Bhios gach duine ri caoine, ’s e tinn, Breith Mhic-Samhuin air Saoidhean Tigh’nn a ghleachd riunn a thaobh cul-ar-cinn. A Righ! fheartaich na greine Tha’n Cathair na feile, dean sith Ri cloinn an fhir a bha ceutach Nach bu choltach ri feile fir chrion. ’N uair a thogte leat bratach, Croinn chaola, fraoch daithta, agus piob Bhiodh mnai ghaoil, le fuaim bhàs A’ caoidh laoich nan arm sgaiteach ’s ann stri. [TD 147] Gu’n robh aigne duin ’uasail Aig a bhad’ agus uaithe a’ d’choir Cha b’i gheire gun tuigse Bha sa bheul bu neo-thuisliche gloir Ceann na ceille ’s na cuideachd Rinn na h-eacoraich cuspair dheth t-fheoil Cha b’e’m breugair’ a mhurtadh Le luchd sheideadh nam pluicean air stòl. Ach fear mor bu mhath cumadh Bu neo-sgathach an curaidh gun ghiomh Cha robh barr aig mac duine ort Ann an ailleachd, ’s an uirghiollach cinn. Anns a’ bhlar bu mhath t-fhuireach Chosnadh làrach, as urram do’n righ, Mo sgread chraiteach am fulachd! A bha ’n tigh chlaraidh ’n robh furan nam pios. Cha robh do chridhe mar dhragon ’Tarrainn slighe na h-eucoir a’ d’churs ’S tu le’ d’chlaidheamh ag eiridh As leth t-athar ’s righ Seumas a Chruinn Cait’ an Albuinn ’s an Eirinn Luchd a thaghaich, ’s a reiteach do chuis Bi’dh là eile ga dheuchainn ’S tus’ ad laidhe gun eisdeachd fo’n ùir. B’iad mo ghradh na cuirp gheala Bha gu fuighantach, fearail, neo-chrion, ’S mairg a chunnaic ’ur n-uaislean Dol fo bhinn ’ur luchd-fuatha gun dion; Ach na’m bitheamaid ’nar n-armaibh Mu’n do chruinnaich an t-sleag air an tir Bhiodh luchd chotaichean dearga Gun dol tuilleadh do dh’armailt-an-righ. [TD 148] Cha robh gnothach aig leigh ’Dhol a leigheas nan creuchd nach robh slàn A’ call am fala fo’n leintean Bha na fir bu mhor feil ri luchd-dhàn Nam b’e cothrom na feinne Bhiodh eadar sibh fhein ’s clann na Ghall Bhiodh eoin mhollach an t-sleibhe Gairsinn salach air chreabhagan chaich. Cha b’e cruadal an cridhe Thug dhaibh buannachd air buidheann mo rùin Tilgeadh luaidhe na cithibh ’S sibh, mo thruaighe! gun fhios air a chuis Eadar uaislean a’s mhithibh Gun robh bhuaidh ud a’ ruith oirnn o thus O’n i ’n uaigh ar ceann-uidhe Bi’dh na sluaisdean a frithealadh dhuinn. Cha b’i sid an fhuil shalach ’Bha ga taomadh mu’n talamh sa Ghleann ’S a luithad ùmaidh mar ghearan A bha cuir fudair na dheannaibh mu’r ceann; A Righ dhulaich nan aingeal! Gabhsa curam d’ur n-anam’s sibh thall Chaidh ’ur cunntas an tainead Le garbh dhusgadh na malairt a bh’ann. Thrus do chinneadh r’a cheile, Dheanamh coinneamh an dé anns an Dùn Ach cha d’aithris thu sgeula Fhir a b’urrainn a reitach gach cuis Ite dhaingean na’m beuma ’S am baranta treun air an cùl Bi’dh la eile ga fheuchainn ’S mise druidte fo dheile ’s an ’ùir. [TD 149] Cha bu chocairean gioraig Chumail comhnard an slinnein ro chach; O’n la thoisich an iomairt Chaill clann Domhnuil ceann-fine no dha: ’N gleacair òg ’ur ceann-cinnidh ’Chuir a dhochas ’an smioraibh a chnàmh Gheibheadh cocaire bioradh Rogha spoltaich o spionnadh a laimh. Luchd a thragadh nam buideal Bheireadh earrach air ruban de’n fhiòn, ’N uair a tharladh sibh cuideachd Bu neo-bhruideal mu’n chupan ud sibh Ag iomairt thaileasg, a’s chluichibh Air a chlar bu neo-thru’ail ùr gniomh Cha bu chearr a measg truid sibh ’N àm paidheadh na cuideachd’s g’an diol. Gu’m beil mise fo mhulad Ag amharc ’ur gunnaidh ’air steile Sàr ghiomanaich ullamh Leis an cinneadh an fhuil anns a bheinn Ann a frith nan damh mullaich Far an deante leibh munasg air seilg, Ge bu tric sibh gan rusgadh Cha d’iarr sibh riamh cunntas ’s na beinn. Cha bu sgathairean gealtach Bhiodh a’ maoitheadh an gaisge gach là Tha ’s eilean na’n cadal Nach duisg gus a faicear am bràth Luchd dhireadh nan eit-bheann Le’n cuilbhiarean gleusta na’n laimh ’S lionmhor fear nach d’rinn eiridh Bha na ghiomanach trèum air a h-earr. [TD 150] Righ! gur mis ’tha for airtneul Ri àm dhomh bhi faicinn ’ur bean ’S cha lugha mo churam Ri bhi’ g’amharc ’ur dutchannan thall Mar bitheadh mar thachair ’S ann leamsa gun b’ait bhi dol ann, Gus an tainig a chreach oirnn Mar gun tuiteadh a chlach leis a ghleann. ’S iomadh fear tha thoirt sgainneil Do’n tighearn òg air an fhearann so thall, Eadar ceann Locha-Rainaich. Rugha Shleibhte, ’s bun Gharaidh nam beann Bha thu feicheannach daingean Far an eiste ri d’theangaidh an cainnt Mar urbal peucaig gu tarrainn, ’S mar ghath reubaidh na nathrach gu call. Leum an stiuir bharr a claiginn Le muir suigh, ’s gun sinn ath-chainnteach dho Dh’fhalbh na croinn, ’s na buill-bheairte ’S leig sinn uallach na slait air a sgòd. ’S bochd an dusgadh ’s a mhaduinn So fhuair sinn gu grad a theachd oirnn ’S ma gheibh sinn ùine ri fhaicinn Bheir sinn fucadh mu seach air chlo.” Nach briagha am Marbhrann a rinn am bàrd Mucanach; ach cia mar tha’m marbhrann a’ seoltainn ciod a b’e creideimh muinntir Ghlinne Comhann? ’Bheil thusa ’ghraidh! gun tiugse, gun tur-nàdair? Nach cual ’thu mar a thuairt e:— “A Righ fheartaich na greine! Tha’n Cathair na féile, dean sith Ri cloinn an fhir a bha ceutach Nach bu choltach ri féile fir chrion.” [TD 151] “’Bheil thu am beachd, na’n duil, gu’m biodh e a’ guidhe airson feadhnach nach robh a’ creidsinn ann an staid Mheadhonach an taobh thall na h-uaghach?” “Seadh gu dearbh, cha tug mi sinn fanear. A nis thugaibh cunntas air eachdraidh mhuirt o thùs a’ ghnothaich.” “’S e sin, a Ruin, tha mi nis a dol a dheanamh gun mhoille.” Aig àm an “Ath-leasachaidh” (ma tà, gu dearbh, is neonach am focal e) dhlùth-lean cuid mhòr de Chinn-feadhna na Gàidhealtachd ris an t-seann chreidheamh a thainig a nuas o làithean N. Challum Chille, agus shiorbhuanaich iad anns a’ chreidheamh so fad nan linntean, ged a shaoil le roinn mhòr do dùthaich gu’n deachaidh an creidheamh so a “leasachadh” le feadhainn a fhuair coire do dh’obair Chriosda. ’S ann mar so a bha cùisean an uair a chaill Séumas an Crùn. Thàinig a nis, Màiri nighean Shéumais, agus a fearpòsda Uilleam as an Ollaint thun a’ Chrùin. Agus ma thàinig, bu mhòr an diubhail! An déigh Blàr na Buinne ann an Erinn, gheall Uilleam gu’m biodh e ’n a chùl-taice do’n chreidheamh Phrostanach, agus anns a’ ghealltanas so, cha d’thug mionnan-eithich. Cha’n ’eil mi ’n ion innseadh an dioll a rinn e air na h-Eireannaich. ’S leòir leam cunntas a thoirt air a ghiùlan anns ’an dùthaich so féin. Chuir Uilleam a mach achd ag orduchadh gu’n d’thugadh na cinn-feadhna mionnan-dilseachd d’a reachd, agus gu’n striochadh iad dhasan roimh ’n ’cheud là do mhios deireannach a’ Gheamhraidh anns a’ bliadhna 1692. Uidh air n’uidh, agus fear an déigh fir, striochd na cinn-feadhna do’n reachd so, ged nach b’ann le ’n toil. B’e Mac Mhic Iain Ghlinne Comhann am fear mu dheireadh a gheill. Thog e air do [TD 152] Ghearrasdan-Dubh-Inbherlochaidh, ach ma thog bha e air dheireadh. Cha robh ùgdaras aig an oifigeach a bha ’sa Ghearrasdan a mhionnan a ghabhail. Cha robh comas air, agus cha robh air ach falbh air a cheum do bhaile Inbheraora, le teisteanas sgriobhta gu’n do nochd e e féin ann an àm iomchuidh anns a’ Ghearrasdan. B’e sin an latha mòr—cur is cuidhe agus gaoth ’ga reodh. ’Nuair a ràinig e bail’-an-t-siorraimh, cha mhòr nach robh e air ’mheilachadh leis an fhuachd. Thug e air an t-siorraimh a mhionnan a ghabhail. Ach ma thug, bha ’bhinn air a toirt a mach cheanna. Thill an ceann-feadhna mi-fhortanach dhàchaidh, làn-chinnteach gun d’rinn e a shith ris a’ chrùn, cha’n ann a mhàin air a shon-féin, ach airson a luchd-cinnidh cuideachd. ’S gann gu’n deachaidh aona mhios seachad, ’nuair a thàinig Capt. Caimbeul Ghlinne-Leomhan le freiceadan shaighdairean do Ghleann Comhann. B’e an leisgeul a bh’aca gu’n tàinig iad a thogail cis teachd-a-staigh agus càin eile. ’Nuair a fhoighnich Mac Mhic Iain dhiubh co dhiù a thàinig iad mar chàirdean no mar nàimhdean, fhreagair an Caimbeulach agus thuirt e gu’n d’thàinig iad mar chàirdean agus mar choimhearsnaich, agus thug e ’fhocal nach éireadh cron sam bith d’a féin no d’a chinneadh. Air tàille a’ ghealltanais so, chuir cloinn Dòmhnuill fàilt’ agus furan orre, agus fad cheithir-là-deug, fhuair iad aoidheachd gun choimeas o fhir Ghlinne Comhann. Mu dheireadh thall thàinig oidhche a’ mhi-fhortain, chruaidh! An déigh do Mhac Mhic Iain agus do’n Chapt. Chaimbeul an làtha ’chaithe an cuideachd a chéile, dhealaich iad mu sheachd uairean na h-oidhche le mùirn ’s le meas do gach a chéile. ’Nuair a thug Mac Mhic Iain fanear [TD 153] gu’n robh am freiceadan a fàsa meudachadh, bhuail amharas air gu’n robh foill agus cealgaireachd anns a’ chuis. Ach, cha’n éisdeadh athair no a bhrathair ri droch-amharus ’sam bith an aghaidh onair Fir Ghlinne-Leomhain. Chuala Iain agus Alasdair, mic Mhic ’ic Iain na saighdearean a’ deanamh cagar nach robh an gnothach a’ tighinn riu idir, gu’n robh iad deònach gu leòir seasadh aghaidh-ri-aghaidh ri fir a’ Ghlinne; ach gur h-e ni nar tamailteach a bh’ann ’tighinn orre bho chùl an cinn. Tha beul-aithris an t-shluaigh ag innseadh dhuinn gu’n robh a’ chùis a chuir air fear de na saighdearan cho trom ’s gun d’iarr e air fear-an-taighe ’tighinn ceum a mach leis, ach a chionn ’s gun robh e air mhionnan nach abaireadh e dig, labhair e mar so ri clach mhòr a bha mu choinneamh:— “A chlach ghlàs a tha sa’ Ghleann Ge mòr do chòir a bhi ann ’Nam b’fhios duit an nochd mar thachras ’S cinnteach nach fanadh thu ann”. Thuig an Comhannach as, agus ghabh e direach a dh’ionnsuidh Mhic ’ic Iain, agus dh’innis e dha mar a thacair. Dh’iarr Mac Mhic Iain air a chuid ghillean sùil a thoirt a mach fiach gu dé a chitheadh iad. Ach mu’n deachaidh iad ach glé ghoirid, chunnaic agus chual’ iad am pailteas. Mu’n do thill iad a dh’innseadh do’n Athair, chunnaic iad gu’n robh an taigh air chuartachadh leis na saighdairean. Chual’ iad urchraichean na gunnachan am measg glaodh, caoidh agus gal agus bas-bhualadh na mnathan agus na cloinne. Bha iad gu tur neo-dheas gu stri ris na saighdairean a bha uile fo airm. Chaidh na saighdairean a staigh do sheomar Mhic ’ic Iain; loisg iad air, chaidh an [TD 154] urchair roimh a chlaigeann, agus thuit e marbh an uchd a mhnatha. Chaidh a nis an ceòl feadh na fidhle. Thoisich a’ chasgairt. Mu’n robh e sia uairean ’s mhadainn, chaidh dà fhicead Comhannach a chuir do’n t-siorruidh. Chaidh na taighean a chuir ri theanadh. Bha freiceadan làidir anns gach bealach; cha b’urrainnear do na diol-dèirce thruagha ’teicheadh taobh ’s am bith. Bha sneachda trom air a’ bhlàr. Cha robh e ’n an comas dol a mach ri bealach an Innean, na idir ri Gleann-lic-na-muidhe. Chaidh na bh’aca ris an t-shaoghal a thogail. Chaidh an cuid cruidh agus chaorach, agus gach spréidh a bh’ shaodachadh as a’ Ghleann. ’S e so is ciall do’n phort:— “A mhnathan a’ Ghlinne so, Ghlinne so, Ghlinne so, A mhnathan a’ Ghlinne so ’s minig dhuibh éiridh, Tha’n cròdh air togail, Tha cròdh air an togail, Tha cròdh air an togail, ’S Fir air an réabadh”. Chaidh na saighdairean a staigh do gach taigh far nach d’fhag iad ach banntraichean agus dilleachdain. Ann an taigh a bha sud, theich giullan beag fo’n leabaidh; agus ’nuair a dh’iarr na saighdairean air tighinn a mach, fhreagair e agus thuairt e. “Stad gus a criom mi mo chnàimh.” ’S coltach ris gun robh an giullan a criom cnàimh feòla, ’nuair a bhuail na saighdairen a staigh. Chunnaic oifigach bean bhronach, thruagh, ’n a seasamh am fasgadh craige, agus leanaibh air a gairdean. Air ball, thug-e òrdugh do dh’fhear d’a chuid dhaoine, falbh agus cuir as do’n phaisde ma ’s e leanaibh-gille bh’ann. ’S e leanaibh gille a bh’ann da rireamh; ach bha’n saighdairen bàigheil blàth-chridheach, agus cha a [TD 155] chridhe aige dochair a dheaneamh air an leanaibh. Thill e thun a chomanndair, agus dh’innis e mar a bha a’ chùis. Fhuair e òrdugh e dhol air ais agus an leanaibh a mhurt, agus mar bharantas; gu’n do choimhlion e a dhleasnas, bha e ri a chlaidheamh a nochadh do’n oifìgach smeurda le fuil an leinibh. Ach mo thuaighe! bha’n t-òrdugh cruaidh, agus bu chruaidh chridheach am fear a thug e. Ach cha robh comas air. Dh’fhalbh an saighdear le cridhe trom, ach, ’nuair a bha e faisg air bean a’ mhi-fhòrtain agus a’ chruaidh-fhortain, thug e an aire gu’n robh cuilean beag a cuir furan air, ’s e ’n a sheasamh aig casan na mnàtha. “So mo chothrom!” arsa saighdear ris féin. Thug e a chlaidheamh as a thruail, agus spàrr e troimh ’n chù e. Agus le glòir, mar gu’m b’eadh, agus le miad-mhòr, thug e a chlaidheamh smeurda le fuil a dh’ionnsuidh a’ chapitain, a bha làn-thoilichte gu’n deachaidh òrdugh a choimhlionadh. Mòran bhliadhnaichean an déigh so, chunnacas fior-sheann duine a’ gabhail an rathaid ann an Strath na h-Apuinn. ’S e bial na h-oidhche bh’ann. Bha frasan sneachd agus glib a’ spùtadh a nuas thar monaidhean Chinn a’ Ghearrloch. Cha robh an seann duine ach fann. Bha e ’n a choigreach ’n a dhùthaich féin. Thàinig an oidhche. ’S i oidhche bhreun, dhorcha, fhuar a bh’ann. Cha robh an rathad ach leth-oireach; ach chunnaic an seann duine solus fada bhuaidh; ach ged a bha, cha b’ fhada ’g a ruighinn e. B’ e so taigh Dhail na Tràighe. Mu dhéireadh, ràinig e taigh na h-aoidheach, agus fhuair e fàilt’ a chuir blàs air cochall a chridhe. Ach mu’n deach e staigh, sheas e air a’ stairsneach, agus bheannaich e an taigh a réir an t-seann chleachdadh Ghàidhealach:— [TD 156] “Beannaichear an taigh ’s na bheil ann, Eadar fhiodh, is chlach’ ’is chrann, Mòran bidh, pailteas aodaich ’S slàinte dhaoine dha na bheil ann”. An déigh dha suidhe sios, agus greim bidh a’ ghabhail, thoisich a’ chracaireachd agus an còmhradh. Thug an sean duine cunntas air a chaithe-beatha. Bha e ’s an armdearg; agus ged a bha, bha e ’diugh gun dachaidh gun charaid ris an t-shaoghal. Thuig fear-an-taighe gu’m b’e so fear de mhurtairean Ghlinne Comhann, agus bha e a’ beachd cuir as da. Ach sheòl an sean duine, nach bu Chaimbeulach e, agus nach do dhòirt boinne fala anns a’ ghleann. Dh’innis e mar a chaomhainn beatha ’n leinibh air gualann na màthar-mhi-fhortanach thruaighe, ged a fhuair e òrdugh a chuir gu bàs. Dh’atharraich fear-an-taighe a bheachd, an àite a chorc a chuir ann, ’s ann a leum e suas, chuir a làmh mu mhuineil an t seann duine agus phòg e e. Dh’innis e dha gu’m b’esan an leanaibh, agus gu’m bu tric a dh’innis a mhàthair dha a’ sgeula cheudna. Fhuair an sean duine dachaidh bhlàth an oidhche sud, agus gach latha ’s oidhche fhad ’s a bha beò. Theich fear de ghillean Mhic ’ic Iain a nun thar Torr a’ Chomhann, agus a suas an Gearraileas. Thill e air ais ri taobh a’ chladaich, agus shnàmh e thar Port Eachain, agus thug e a chasan as, le sgeula thiamhaidh, a suas a dh’ionnsuidh a chàirdean agus luchd-dàimh do ’n Cheapach, agus do Ghleann a’ Gharraidh. Dh’fhiach cuid de luchd-sgriobhaidh Eachdraidh ris a choire a thogail thar ghuailean an Dudsich; ach cha do bhuannaich leo; ghéill iad gu builleach. Mur a robh e cionntach, c’ arson nach do smachdaich e an fheadhain a rinn a leithid de ghniomh thamailteach ’n a ainm? [TD 157] Bha na Caimbeulaich mar a bha iad, agus fhuair iad droch ainm gu leòir; ach an déigh sin, ’s dha dheth, cha robh iad ach ùmhal do chumhachd a b’àirde. GILLEASPUIG MAC DHÒMHNUILL MHIC EOGHAIN. A MILLIONAIRE AND HIS MONEY [Beurla] [TD 158-162] [Beurla] [TD 163] [Beurla] DA SHAOBH-CHREIDIMH ANNS na linnibh a dh’aom, chaidh uair eiginn leabhar araidh, ainmeil, a chur a mach, ris an abrar anns a’ Bheurla Popular Superstitions. Anns a’ chruinneachadh so, gheibhear a’ mhòr chuid de na saobh-chreidimh leis am bheil daoine air am mealladh, ’s air an cur am mearachd a ghnàth, agus sin an tomhas ro mhòr. Gu cinnteach, is iomadh ni a tha ’s an t-saoghal air fada, d’am bheil daoine a’ toirt creideis, agus anns am bheil iad a’ cur an earbsa gun amharas, gu h-iomlan; nithean anns nach ’eil gu firinneach, bun no bàrr. [TD 164] Is e ceann-aobhair do’n chleachdadh so gu’m bheil a’ chuid a’s mò de dhaoine maraon aineolach is claon le bhi ’leantuinn an ana-miannan féin. Agus tha fios is cinnte air so, ma bheir sinn oirnn féin ni a chreidsinn, tha sinn a’ gabhail ris gu buileach, ’s ga chreidsinn gu tur, a chionn ’s gur h-e ar sochair-ne an ni sin a chreidsinn. Is ann mar so, ann an aon fhocal, a tha saobh-chreidimh air an togail, ’s air an cumail suas ann ar measg. Tha saobh-chreidimh ann a thaobh gach ni ach beag a bhuineas duinn mar chreutairibh beòthail. Ach is ann a thaobh aoin diubh a mhàin a tha sinn a’ dol a labhairt aig an àm agus anns an àite so. Agus is e sin saobh-chreidimh a thaobh ar n-Eachdraidh féin. Tha mòran d’ ar luchd-eachdraidh ag ràdh gu’n robh Albainn “air a deanamh” o shean (is e sin an dòigh labhairt a tha iad a’ cleachdadh mu’n chùis so), leis an fheadhainn a fhuair greim (le ceartas no ana-ceartas), air gnothuichibh rioghail na h-Alba anns na linnibh a dh’fhalbh. Ach nach e rud ’tha tur faoin, neo-ghlic, neo-thuigseach a bhi ’ràdh gu’n robh Alba “air a deanamh” leis an leithid sin de dhaoine troimh an robh i air a milleadh ’s air a sgrios ’s air a dubhadh as mar dhùthaich air leth? Anns na bliadhnaichibh a dh’aom, bha Albainn ’n a dùthaich air leth, le a righribh, ’s a laghanna, ’s a cainnt’s a cleachdaidhean féin; ach an diugh tha i ’n a creach aig Sasunn. Cionnus ma tà, a dh’fhaodar a’ radh gu’m bheil sinn ’n ar muinntir air leth (agus saor) ma tha sinn gun Righ, gun laghanna, gun chanain, gun chleachdaidhean air arson féin? Ciod is ciall do’n bhaoth-fhocal so? Ma tha sinn ’n ar muinntir no ’n ar cinneach air leth, c’ait’ am bheil na samhlaidhean ’s na dearbhaidhean [TD 165] a tha ’comharrachadh a mach dhuinn sin mar mhuinntir air leth? Agus mur ’eil sinn mar sin, is amadan is cealgair esan a tha ag innseadh dhuinn gu’m bheil sinn an drasta ’n ar cinneach air leth. Saobh chreidimh sluaigh-mheasail eile. Tha cuid ag ràdh gu’n robh Albainn “air a deanamh” leis na daoine a thug a steach “an t-Ath-leasachadh” gu Albainn. Ach is amadanan is cealgairean iad sin mar an ceudna. Sgriobh T. F. Mac Eanraig, a chuir a mach Eachdraidh-bheatha nuadh Ban-righ Màiri o chionn ghoirid mu’n so mar a leanas:— “But it is as idle to denounce the narrow intolerance and unlimited ecclesiastical ambition of Knox, as it is absurd to belaud them or to affirm that the Scot was practically not the Scot until Knox created him. The contribution of any single individual to the formation of what is called national character can in the long run be but infinitesimal, however much he may be able to contribute to a nation’s temporary eccentricities. There could, for example, be no greater misrepresentation of the legacy Knox left to Scotland than to affirm that it owes to him its intellectual freedom, such as it is. Intellectual freedom cannot be gained at a bound; and not only so, but the intellectual freedom which many now deem an indispensable element of their manhood was not then supposed to be a proper possession for any one; and Knox, an ecclesiastic to the marrow of his bones, had he met it in any one, would have been almost petrified with horror” (Mary Queen of Scots, vol. i., pp. 34, 35). Is Prostanach Mr. T. F. Mac Eanraig, agus is mòr is àrd an tlachd a tha e ’cur oirnn féin e bhi ’sgriobhadh mar so. [TD 166] THE GAELIC CHURCH [Beurla] [TD 167-173] [Beurla] [TD 174] RECENT INDUSTRIAL DEVELOPMENTS [Beurla] [TD 175-181] [Beurla] [TD 182] BEANNACH BUACHAILLEACHD CUIREAMSA an spréidh so romham, Mar a dh’ordaich Righ an domhain. Moire ’gan gleidheadh, ’gam feitheamh, gan coimhead Air bheinn, air ghleann air chòmhnard. Eirich a Bhride mhin-gheal, Glacsa do chir agus d’fhalt; O rinn thu doibh eòlas gun òr ’Gan cumail o chall ’s o lochd, ’Gan cumail o chall ’s o lochd. O chreag, o chabhan o allt, O chara cam, o mhille sluic O shaighdibh nam ban seanga sith O chridhe mhi-rùn, o shùil an uilc O chridhe mhi-rùn, o shùil an uilc. A Mhoire Mhàthair, cuallaichs’ an t-àl gu léir! A Bhride nam basa-mine, dionsa mo spréidh! A Chaluim chaoimh, a Naoimh is feàrr buadh, Comaraichsa cròdh an àil, bàirig am buar Comaraichsa cròdh an àil, bàirig am buar. PARLIAMENT AND THE GAEL [Beurla] [TD 183-190] [Beurla] [TD 191] [Beurla] EACHDRAIDH LEIS an fhocal Litreachas, tha sinn a’ tuigsinn na sgriobhaidhean anns am faighear smuaintean is faireachduinean na cuid de ’n chinne-daoine air an do bhuilicheadh tomhas de thuigse. Ann am briathran eile, is e Litreachas anns an t-seadh is àirde, modh labhairt troimh sgriobhadh eadar fear [TD 192] agus fear ’nan nàdur agus ’nam faireachduin mar dhaoine. Gheibh sinn Litreachas mar so ’ga roinn féin a mach ann am meòir de smuain agus de dh’ eòlas aig am bheil am fréamh ann an intinn an duine. Tha meur na h-Eachdraidh ann; meur na Feallsanachd; meur na h-Urlabhairt, no na h-Ealantachd; agus meur na Bàrdachd. Ged is ann an sgriobhadh a gheibhear gach gné Litreachais, gidheadh cha ’n ’eil a h-uile sgriobhadh airidh air a bhi air a ghabhail a steach fo ’n ainm Litreachas. Tha, mar so, dà sheòrsa Litreachais ri ’m faotainn. Tha seòrsa ann a tha siùbhlach, ag atharrachadh leis an là, agus leis an linn; agus tha seòrsa ann a tha buan a sheasas maireann, cho fada ’s a bhios cridheachan is inntinnean dhaoine de ’n ghné de’m bheil iad a nis. Anns an Litreachas a tha ’siùbhlach, no caochlach, gheibhear na sgriobhaidhean a tha de ghné shuaraich, no shalaich, agus a’ chuid a tha tioram, gun susbaint, nach ruig, no nach drùidh air anam coitcheann a’ chinne-dhaoine. Sgeul rùisgte nach ’eil air a shuidheachadh ann an corp de chainnt sgeinmeil shnasmhoir; bunan leatromach nach ’eil ag éiridh a mach à fior nàdur an duine; òraidean anns nach ’eil blas no brigh; agus ranntachd nach ’eil binn no buadhach—na leabhraichean, no na sgriobhaidhean anns nach faighear ach a’ ghné dhiombuan so de Litreachas, cha bhuin de ’n t-seòrsa a tha buan no maireannach. Cha chanar Eachdraidh anns an t-seadh cheart ri leabhraichean ghinealach, anns nach faighear ach stiall fhada de dh’ ainmean. Is e Eachdraidh anns an t-seadh a ’s àirde sgeul fior mu ghniomh, mu euchd, agus mu fhàs suas a’ chinne-dhaoine, mar tha an cinne-daoine ’na aon, no ann an cinnich fa leth. Mar bhuill de ’n chinne-dhaoine, tha sinn a’ gabhail tlachd coitcheann ann an Eachdraidh mar [TD 193] chuspair meadhrachaidh. Oir, tha sinn a’ faotainn iomraidh ann an Eachdraidh air modh oibreachaidh cumhachdan is feartan gineadail nàdur an duine. Chi sinn an sud reuson a’ tionnsgnadh, agus a’ giùlan a mach à chriochan iomchuidh féin; agus mar an ceudna an toil, dian lasanta, do-lùbaidh is rag, no fulangach. A ris, tha e cho tlachdmhor leinn a bhi ’sealltuinn air féin-ghlòir is féin-iarrtais ’nan ròidibh ciontach ’s a tha e bhi ag amharc air stri ionmholta an fhir aig am bheil gràdh agus math a dhùthcha a’ lasadh le chéile ’nan rùn teinnteach ’na chridhe. Oir ann an sud, tha againn sruthadh a mach air dà thaobh nàdur an duine; agus tha déidh ’againn air a bhi ’faicinn dhaoine nuair is miosa agus an uair is feàrr a tha iad. … Juvat integros accedere fontes Atque haurire. Cha ’n ’eil a bheag a dh’ Eachdraidh a’s fiach againn anns a’ Ghàidhlig, an taobh a mach do ranna ginealach is sgeulachdan nan seanchaidhean. Cha deachaidh na cnàimh eachdraidheil a chruinnich iadsan ri chéile a chòmhdach fathast le falluinn feòla ur-dheiseach na h-Eachdraidh. Thug Aonghas Mac Coinnich ionnsaidhean math air Eachdraidh na h-Alba anns a’ bhliadhna 1867—mir beag dhi co dhiù, agus sin air a thoirt seachad do dhall eud an creidimh—a thoirt duinn; agus thug feadhainn eile cùnntas nach dona air Eachdraidh choitcheann ar dùthcha o àm gu h-àm. Ach cha ’n ’eil an sud ach oidhirpean beaga an coimeas ris na sgriobh Erodotus is Thusidides anns a’ Ghréig, Libhidh is Tacitus anns a’ Roimh, Fénélon is Guisot anns a’ Fhraing, agus Gibbon, Lingard, Ume, Robertson, Gascuet, etc. ann an Sasunn. Tha Eachdraidh a’ Gàidheil ’na thuineachadh is ’na fhàs agus ’na [TD 194] thighinn a mach ann an Alba, agus ann an Eirinn, fathast gun sgriobhadh. Aut in rebus certius aliquid allaturos, aut scribendi arte rudem vetustatem superaturos, sgriobh Libhidh; ach c’ àit’ am bheil ar n-Eachdraichean féin chum na foclan so a chuir an gniomh? Is ann ’s a’ Bheurla a rinneadh a’ chuid a’s mò de na chaidh a dheanamh ’s an rathad so; agus, eadhon anns a’ Bheurla, cha ’n ’eil cùnntas coimhlionta againn mu Eachdraidh ar dùthcha—tir nam beann, ’s nan gleann, ’s nan gaisgeach. Ged nach ’eil àireamh nan ughdar a ghleidh seanachas air cuimhne ’nar measg ro lionmhor, agus ged nach ’eil saothair nan ughdar an comhnuidh buannachdail riu féin, gidheadh tha sinn a’ meas gur airidh ar n-Eachdraidh air a bhi innseadh ’nan cainnt féin. Gun teagamh, cha ’n ’eil an obair air aon chor soirbh a dheanamh. Ach ma thig aon air aghaidh a ghabhas os làimh an obair feumail so a thoirt gu crioch shoirbheachail, bitheamaid ro thaingeil nam faigheadh e anns ar brosnuchadh cuideachadh ’na shaothair; agus chuireamaid an cuimhne ar luchd-dùthcha an sean-fhocal fior:— “Is trian obair, toiseachadh.” [TD 195] Guth na Bliadhna LEABHAR III.] AN SAMHRADH, 1906. [AIREAMH 3 IMPERIUM EX IMPERIO THUBHAIRT sinn o chionn beagan mhiosan anns an Leabhar-naigheachd so gu’m bheil Eachdraidh Gàidhealtachd na h-Alba (mar a bha dùthaich nan Gàidheal anns an Fhraing, a réir Cæsar) air a roinn gu léir ’na tri earrannan. Tha a’ chiad earrann o theachd Righ Fhearghais gu ruig blàr Srath Chathruaidh (1130). Tha an dàra earrann a’ tighinn a nuas o’n bhliadhna sin gu ruig arbhartachadh Mhic Dhòmhnuill nan Eilean, anns a’ bhliadhna 1476; agus tha an treas earrann a’ tighinn a nuas o’n àm sin gu ruig Bliadhna Thearlaich, no blàr Chuil-fhodair (1746). O’n ùine ud gus a’ cheart àm so, is ann mar lusan no luibhean leth-bheòthach a mhàin a tha sinn a’ cumail ar fàs a suas. Thubhairt sinn, mar an ceudna, gu’m bheil Eachdraidh na h-Alba a’ leigeil ris duinn gu soilleir ciod e aobhar gach cogaidh agus falachd a bha eadar Gàidheal na dùthcha agus na coigrich a bha’n taobh a staigh dhith, an déigh bàis an dàra Righ Calum (1034). Thug esan oidhirp (mar is aithne gu maith da’r luchd leughaidh) an leantuinn-rioghail a chur gu taobh, agus a chinneadh féin a shocrachadh air cathair rioghail na h-Alba—ni nach bu chòir dha [TD 196] ’dheanamh air chor air bith; oir a réir cleachdainnean is laghanna na dùthcha, b’e Lulaig Mhic Ghillecomgain (Righ Mhoiridh) a b’fhior-oighre a’ chrùin aig an àm ud. Thoisich, leis a sin, gach trioblaid, culaidh-fharmaid, agus còmhstri a thachair ruinne an deigh sin an lorg a’ ghlacaidh eucoraich ud. Lean Gàidheil na dùthcha taobh teaghlaich Mhoiridh, agus chog na Sasunnaich, na Frangaich, agus coigrich eile ’nan aghaidh. Sheas ar dùthaich féin anns an staid chunnartaich aimhreitich ud gu ruig rioghachadh a’ chiad Righ Dhàibhidh, an uair (anns a’ bhliadhna 1130, mar a thubhairt sinn mu thrath) thug an righ sin buaidh air teaghlaich Mhoiridh air blàr Srath Chathruaidh, agus aig a’ cheart àm, dh’aonaich e an dùthaich sin ris féin. Thoisich a’ chomstri sgriosail, mar a thug sinn fainear a cheana, le connsachadh mu chòir-sheilbh air cathair-rioghail na h-Alba. Cha robh i air tùs ’na spàirn eadar Gàidheal is Gall idir. Bha fir-theaghlaich Athuil, agus fir-theaghlaich Mhoiridh ’nan Gàidheil le cheile; agus o’n a bha e mar sin b’e falachd a mhàin a bha eadar an dà theaghlaich Ghàidhealaich so. Ach is ann mar a chaidh an spàirn so air a h-adhart, is ann mar sin a tha e ’toirt a mach, ceum air cheum gu soilleir co dhiù gach ni a bha fillte ann, gu h-àraidh gur h-e cath eadar Gàidheal is Gall a bh’ann. B’e teaghlach Athuil a thoisich a’ chluich chunnartach, fhuilteach, sgriosail ud; agus is ann do bhrigh nach urrainn doibh an cuisean féin a chuir air adhart gun chobhair, a ghuidh iad air na Sasunnaich agus coigrich eile a bha an taobh a staigh de dh’Alba an cuideachadh. Aig an àm cheudna, thoisich righrean teaghlaich Athuil gu bhith ’nan riaghladairean Sasunnach. Sgriobh Walter à Coventry (mu bhliadhna 1212), [TD 197] “Moderniores enim Scotorum Reges magis se Francos fatentur, sicut genere, ita moribus lingua, cultu”. Dh’atharraich iad àrd-bhaile na dùthcha o Sgàin gu Dùn Eideann: b’e Righ Dàibhidh a thug a steach do’n dùthaich so na cleachdainnean riaghailteach sin ris an abrar am Feudal System anns a’ Bheurla, agus air iomadh dòigh eile thug iad fainear an t-aomadh a bha annta chum cleachdainnean Sasunnach. “David’s attachment to Anglo-Norman friends was partly a matter of taste; partly, too, he found them useful against his Celtic subjects… His policy naturally, and for the first time, removed the centre of the kingdom from the country between Spey and Forth to the Lowlands. In Strath Clyde and Lothian, land was, apparently, in direct dependence on the crown: here he could settle his Normans. They proved, as was to be expected, very shifty patriots in times soon to come, if indeed patriotism can be spoken of at all in connexion with such cosmopolitan settlers” (History of Scotland, le Aindrea Lang, L 1, t 237). Deir an t-ùghdair ceudna ann an àite eile: “The long process began (fo Righ Dhàibhidh) by which English brewers, soap-boilers and upholsterers sit in the seats of MacDonalds and MacPhersons”. Thug sin fainear mu thrath na thachair do dh’Alba an déigh do mhuinntir Mhoiridh a bhith air an cur fo smachd le àrd-righrean na dùthcha a bhuineadh do theaglaich Athuil. Gu grad, chaidh an cumhachd agus an cliù a bha aca mar threun-laoich nan Gàidheal thairis gu righrean nan Eilean. Chuir iad umpa féin fallaing nan Moiridheach, agus sheas iad a mach gu ruig làtha an arbhartachaidh mar churaidhean nan Gàidheal. A nis, ciod e an t-aobhar a th’ann nach d’thug [TD 198] Mac Dhòmhnuill nan Eilean (no neach air bith eile a bhuineadh do’n Gàidhealtachd) seachad am folluis na h-agartsan a bha aca, air do’n chathair-rioghail a bhith falamh an lorg bàs nighinn an treas Righ Alasdair? B’e Morair Mhàirr, Mac Dhòmhnuill nan Eilean no h-aon de na naithean Gàidhealach eile, a bha ’na fhior-oighre air a’ chrùn a rèir cleachdainnean agus laghanna aosda, bunaiteach na dùthcha. Ach de’n luchd choimh-shreip a bh’ann, cha robh a h-aon a bha ’na fhear coimh-shreip Gàidhealach! Iomhair Bruce (“Bruce le viel,” mar theirteadh ris anns an Fhrangaich), Iain Bailliol agus Comyn—bha iad so uile ’nan Frangaich! Agus, ciod a thaobh an fhir eile, d’am b’ainm Hastings? B’esan a mhàin an aon Sasunnach! Car son, mata, nach do chuir muinntir na Gàidhealtachd fear coimh-shreip Gàidhealach suas? Gun teagamh, bu lion-mhor iad an àireamh, agus b’ann acasan a mhàin a bha an fhior-chòir air a’ chrùn, a réir seann laghanna agus chleachdainnean bunaiteach na dùthcha. Ach is ann mar dhuine gun ghuth, gun ghàirdeanan a bha muinntir na Gàidhealtachd aig an àm ud. Agus air an lorg sin thàinig a steach laghanna is cleachdainnean Sasunnach is Frangach gu Albainn. Bha na Frangaich agus na Sasunnaich anns gach àite, agus gu h-àraidh anns na h-àitean sin far an robh an cumhachd agus am beartas bu mhò ri’m faotainn. A thuilleadh air sin, bha gach fear coimh-shreip a bh’ann ’na nàmhaid do dh’Albainn, agus ’na charaid do Shasunn. Chuir iad an céill, agus sin gu soilleir, gu’n robh iad a’ beachdachadh air a’ cheud Righ Iomhair mar ard-riaghladair na dùthcha gu léir. Dh’asluich iad air neach-eiginn a thaghadh dhoibh, a los righ na h-Alba a chur air bonn; agus air do dh’Iomhair sin a’ deanamh gu toilichte, [TD 199] ghabh Iain Bailliol an chrùn mar ghibht o Righ nan Sasunnach. Rinn e, an sin, dlighe iochdarain d’a uachdaran air son Alba, agus leis a sin, mar a thubhairt iad aig an am “dh’fhàs e ’na thraill do Righ Iomhair”. Ged nach robh comas aig muinntir na Gàidhealtachd stad a chur air na déanadasan tàmailteach so, gidheadh, ghabh iad diomb mòr ris. Is ann mar sheòrsa de dh’eas-onoir bu mhò, a bha iad a’ sealtainn air; agus, mar sin, dhiùlt iad cuid no pairt a bhi aca ris. Ach ann an ùine ghoirid, thug Iomhair an crùn o Bhailliol, agus thoisich gu grad a’ chomhstri fhuilteach ud ris an abrar anns a’ Bheurla The War of Independence. “The Celts, as a whole, were nothing less than sturdy maintainers of Scottish independence,” deir Mr. Lang. Air do Righ Iomhair Tir nam beann a thoirt air, a los muinntir na dùthcha a chuir for smachd, gheill mòran de na Sasunnaich agus de na Frangaich a bha taobh a staigh dhith ris; agus ainmeannan na feadhainn a ghéill dha, nach ’eil iad air an sgriobhadh gu soilleir anns an leabhar thàmailteach sin ris an abrar Ragman’s Roll? Ach gu dearbh is gann gu’m bheil ainmeannan Gàidhealach sgriobht’, ann air fada. Rinn beagan de mhuinntir Ghallaobh an taobh deas na h-Alba umhlachd dha; ach sheas a’ chuid bu mhò de mhuinntir na Gàidhealtachd a mach an aghaidh Righ Iomhair, agus chuir iad trioblaid is call nach robh beag air, agus air a chuid uachdairean, agus an luchd leanmhainn sgriosail agus fhuilteach. Sheas Gàidheil na h-Alba a mach air taobh a’ ghaisgich sin d’am b’ainm Uilleam le Waleys; agus air do’n laoch ud a bhi air a bhrathadh do làmhan a chuid naimhdean agus air a chur gu bàs, dh’eirich iad air taobh Raibeairt Bhruce; agus air blàr Allt a’ Bhonnaich (1314) [TD 200] (far an robh Bruce e féin air an ceann), thug iad buaidh air na Sasunnaich, agus chuir iad ard-chrùn na h-Alba air cheann a’ bhuadhair. Gu cinnteach, bu mhòr agus b’àrd an tlachd a bha an righ sin a’ cur air Gàidheil na h-Alba fhad ’s bu bheò e; agus bu mhòr an spéis a bha aig Raibeart Bruce do Thir nam beann. Bu tric a rinn na Gàidheil agus an Righ strith is cogadh nach robh beag an aghaidh an nàimhdean, agus sin taobh ri taobh. Agus a’ chobhair a fhuair e o na Gàidheil air iomadh blàr, agus gu h-àraidh air blàr Allt a’ Bhonnaich, cha do dhi-chuimhnich e riamh i. Aig deireadh a làithean, an uair a bha an treun-laoch air fàs tinn agus fann, shocraich e’ a’ chùirt ann an taobh-siar na h-Alba faisg air Cardros; agus is ann an sin a fhuair e bàs anns a’ bhliadhna 1329. Bha Raibeart Bruce ’na dheadh righ air son nan Gàidheal; agus saor o na Dubhghallaich Lathurna, cha do chuir e dragh no trioblaid air bith riamh orra. Sheas Mac Dhòmhnuill nan Eilean a mach mar charaid dha fad mòran bhliadhnaichean; agus is ann air son sin, nach do chuir esan (no neach air bith eile a bhuineadh do’n Gàidhealtachd, saor o na Dubhghallaich) trioblaid no buaireadh riamh air an righ sin. Air an làimh eile, cha robh Bruce riamh ro chàirdeil ris na Sasunnaich, na Frangaich (ged bu Fhrangach e féin air taobh ’athar) no ris na coigrich eile a bha an taobh a staigh do dh’Alba. Chog iad ris, agus mar pheanas air son a’ ghiùlain sin, thug e air falbh an cuid tiodailean agus an cuid inbhean uapa—ni dh’aobharaich mòran trioblaid agus comhstri do’n dùthaich gu léir anns na bliadhnaichean a bha fathast ri tighinn, mar a tha ar cuid eachdraichean ag innseadh gu soilleir dhuinn. Ach a thaobh Gàidheal na h-Alba, bha Righ Raibeart Bruce ’na [TD 201] dheagh righ da rireadh. Bha a shùil daonnan ris an àird-an-iar—is a sin ri ràdh, ri dùthaich nan Gàidheal. B’e am miann aige—mar a bha aig Brian Boroimhe Ard-Righ na h-Eirinn (agus ris an robh e glé choltach ’na phearsa agus ’na inntinn)—a bhith gu firinneach na bha daoine a’ buileachadh orra leis an ainm sin Rex Scotorum, is e sin ri ràdh “Righ nan Gàidheal”. Gu’n deanadh Dia tròcair air ’anam! Ach an déigh do Raibeart Bruce a bhith air a thoirt air falbh uainn leis a’ bhàs, chaidh an dheagh chòrdadh a bha eadar Gàidheal is Gall a bhristeadh. Bha a mhac ach ’na naoidhean beag a mhàin an uair a fhuair ’athair bàs, agus an lorg sin, thuit gu grad riaghladh na dùthcha air aimhreit agus air eas-ordùgh nach robh beag. Thill an fheadhainn a bha air am fuadachadh à dh’Albainn leis an righ nach maireann, o Shasunn agus o dhùthchannan eile; agus rinn iad comh-fheall ri chéile an aghaidh an Righ òig, agus an aghaidh a chuid riaghladairean. Am measg na h-aimhreite so, tharruing Gàidheil air falbh iad féin o ùinich is comhstri nan daoine ud, agus ann an ùine ghoirid, thog iad an t-sean-bhratach Ghàidhealach suas a ris; agus o’n àm sin gu ruig “Bhliadhna Thearlaich,” sheas iad air am buinn féin, agus chog iad air son an làimh féin a los sealbhachadh na dùthcha gu leir fhaotainn, agus tir nam beann a chumail dhoibh féin. A nis, tha cuid ag radh gu’n robh na Gàidheil mar bhrathadairean agus mar fhir-cheannairc aig an àm ud, do bhrigh gu’n robh iad am bitheanta ri beachdachadh air a’ chathair-rioghail mar an cuid féin, agus do bhrigh gu’n robh an abhaist aca coimh-bhoinn is còrdadh a dheanamh eadar iad-féin agus coigrich chaochlach, an aghaidh Righ na [TD 202] h-Alba, agus a chum Albainn a cheannsachadh agus a thoirt fo’n ùghdarras féin. Ach, cha’n ann mar sin a tha sinn a’ beachdachadh air a’ chuis; ach is ann mar a tha Mr. Lang a’ gabhail beachd oirre a tha sinn a’ gabhail rithe. Deir esan anns an Eachdraidh a sgriobh e: “The Celts lived their own life apart, being far more widely severed by blood, speech, and institutions from the Scots (na Sasunnaich, na Frangaich, agus coigrich eile an Albainn) than the Scots were from the English. Just as Scotland (is e sin ri ràdh Albainn nan Gall) naturally turned towards France and the French alliance, so the chief Celtic Prince, the Lord of the Isles, turned towards England and the English alliance. It would be childish to call this conduct’ unpatriotic’. The Celt recognised no common part in Lowland patriotism though the Scottish king was his suzerain. He fought, like Hal of the Wynd, for his own hand.” Tha so uile air a sgriobhadh gu ro mhaith; agus tha e ’na aobhar ioghnaidh leinn gu bheil Mr. Lang a’ beachdachadh mu’n chuis so mar a tha e gu soilleir a’ deanamh. Gu dearbh, bhiodh e gu tur neonach, agus mar bhalachan faoin a bhith a’ gabhail beachd air a’ chùis so mar tha mòran a’ smuaineachadh oirre—is e sin ri ràdh, mar ni-eiginn anabarrach iongantach, neoleith-sgeulach, agus nach fhaod a bhith air a mhathadh, no air a mhineachadh, air chor air bith. Anns a’ bhliadhna 1461, chaidh Iain Mac Dhòmhnuill nan Eilean, agus Morair Rois, ann an coimh-bhoinn ris an treas Righ Iomhair a los Albainn nan Gall a cheannsachadh, agus an déigh d’a chuid tosgairean Lunnainn a ruigsinn, agus cùirt an Righ Shasunnaich a’ thoirt orra, thubhairt iad, an lathair an Righ agus a chuirtearan—an uair a [TD 203] bha iad a’ cur an céill cuspairean a’ bhanna—“Is sinne, le’r cead, seana nàimhdean Alba”. Agus, ciod bu chiall do na facail so? An ann mar dhearbhadh do’n ghràdh a bha eadar Mac Dhòmhnuill nan Eilean agus Righ Shasuinn, no mar dhearbhadh do’n chàirdeas a bha eadar muinntir na Gàidhealtachd agus muinntir Shasuinn, a bha Righ Iomhair a’ gabhail riutha? Cha ’n ann idir. Thuig Mac Dhòmhnuill, agus thuig Righ Iomhair gu’n robh a’ chùis mar a bha. Cha robh gaol, no cairdeas, eatorra idir; ach thachair gu’n robh iad ’nan dithis a bha coltach a bhiodh feumail d’a chéile aig an àm ud, agus, mar sin, chaidh am bann a dheanamh. B’e miann a’ Ghàidheil a chuid féin fhaotainn air a h-ais: b’e miann an t-Sasunnaich, Albainn nan Gall a cheannsachadh agus a toirt fo chis. Ghabh Mac Dhòmhnuill beachd gu’n robh leth-bhuillean air a meas beagan ni’s fheàrr na ’bhith gun bhuillean idir! Is dòcha (ma chaidh am bann so a choimhlionadh agus gu buileach) gur ann aig Mac Dhòmhnuill a bhiodh a’ chuid bu mhò agus bu fheàrr dheth. Cha robh Mac Dhòmhnuill aig an àm ud cho làidir agus Albainn air fad a ceannsachadh; agus, leis a sin, thug e cuireadh do dh’Iomhair ’ga chuideachadh gu sin a dheanamh. B’éiginn da, an toiseach, gabhail thairis air Albainn nan Gall, agus a tilgeadh bun os ceann. Tha Eachdraidh a ’nochdadh dhuinn gu’m bheil e ’na ni mòran ni’s fharasda dùthaich a cheannsachadh na an dùthaich sin a chumail fo smachd am feasd. Thug na Sasunnaich buaidh air an Fhraing; agus fhuair iad làmh an uachdair air Albainn nan Gall fad mhòran bhliadhnaichean mar an ceudna. Ach cha bu chomasach dhoibh Albainn no’n Fhraing a chumail fo smachd gu bràth. Dh’eirich an dà mhuinntir sin fo arm, [TD 204] agus thilg iad a mach an cuid buadhaichean. Is dòcha, ma ta, gu’n robh Mac Dhòmhnuill a’ beachdachadh air Iomhair mar mheadhon chum chriochan, agus mar inneal, a mhàin. Air do dh’Albainn nan Gall a bhith air a cur fo smachd le Iomhair, agus a chuid arm, bhitheadh Mac Dhòmhnuill an duine bu mhò agus bu treasa an Albainn gu léir. Sheasadh e a mach, an sin, mar fhior fhear-treòrachaidh nan Gàidheal, agus mar fhear-saoraidh a dhùthcha. Chruinneachadh m’a chuid brataichean, cha b’e na Gàidheil a mhàin, ach Gàidheil nan machraichean, agus a’ chuid bu fheàrr agus bu lionmhoire de mhuinntir eile na h-Alba, mar an ceudna. Chogadh iad (le Mac Dhòmhnuill air an ceann) an aghaidh nan Sasunnach, agus air son an làimh féin; agus, Gàidheil na h-Eirinn ’gan cuideachadh, is dòcha gu’n d’thugadh iad buaidh air na coigrich—araon orrasan a bha’n taobh a staigh de’n dùthaich, agus orrasan nach buineadh dhith idir. Ach, thuit a’ chùis mar a bha, agus mar a bha Dia ’na ghliocas ’ga h-ordùchadh; agus, ann an ùine ghoirid, chaidh am bann eadar Mac Dhòmhnuill is Iomhair a bhristeadh, agus a sgaoileadh. Gidheadh, cha d’fhulaing giùlan folluiseach air taobh nan Gàidheal atharrachadh no muthadh air bith. Sheas iad air a’ bhonn a b’abhaist doibh—an seann bhonn air an robh ar sinnsearan a’ seasamh fad mòran bhliadhnaichean. Chuir iad an cùil ri Albainn nan Gall mar a b’abhaist dhoibh a dheanamh; agus rinn iad stri is spàirn air son an làimh féin mar bu chòir dhoibh a dheanamh. “The Celt recognised no common part in Lowland patriotism.” Ghabh iad beachd orra féin mar chinneach air leth. Chog ar sinnsearan an aghaidh Chrombheill (mar a thubhairt sin mu thrath) agus an [TD 205] aghaidh Righ Uilleim, an aghaidh na h-Aonachd (1707) agus air taobh an 8mh Righ Seumas agus a mhic Prionnsa Tearlach, cha’n ann a chionn gu’n deachaidh am bribeadh le òr is airgiod a los sin a dheanamh, ach a chionn gu’n d’thug iad gràdh do’n Ghàidhealtachd; a chionn gu’n do chuimhnich iad air na daoine o’n d’thàinig iad, agus a chionn gu’n d’thug iad gràdh is onoir do’n Bheul-aithris Ghàidhealaich. Agus a nis, an seas Gàidheal na h-Alba far an do sheas iad roimhe—anns na bliadhnaichean a dh’aom? Seasaidh gu dearbh. Tha cuid ag ràdh nach ’eil Albainn mar aon air leth ni’s mò. Their iad, gu bheil iochdaran na h-Iompaireachd “Breatunnaich”—gun chòirean, gun dlighean, gun mhiannan sam bith, ach am fear a mhain a tha ’ga roinn leis gach neach eile, a bhuineas do’n inbhe cheudna. Deir iad, tha na fàidhean marbh, tha na laoich marbh, agus is ann mar so tha’n Gàidheal. Leig leis na h-aimsirean a chaidh seachad an cuid mairbh féin a thiodhlaiceadh! Ma tha àite no suidheachadh air bith aig a’ Ghàidheal air an làtha an diugh, is ann an taobh a staigh, cha’n ann an taobh am muigh, de’n Iompaireachd Bhreatunnaich a tha an t-aite sin. Ach cha’n ann mar so a tha sinne a’ beachdachadh air Gàidheil na h-Alba, agus air an cuid miannan. D’ar taobh féin, ar leinn, nach ’eil an t-sean Bheul-aithnis Ghaidhealach marbh; agus mar a chog ar sinnsearan air son an làimh féin anns na làithean a dh’fhalbh, is ann mar sin a tha sinn deas, séadh is dian, gu deanamh fhathast. Gu dearbh, fhuair mòran nithe agus mòran sluaigh bàs. C’àit’ am bheil Goill na h-Alba? Is ann direach mar Shasunnaich a mhain a dh’fhàs iad. C’àit’ am bheil am bann a chaidh a dheanamh eadar Goill [TD 206] na h-Alba agus na Frangaich? Tha e marbh. Is e an Entente Cordiale eadar Sasunn is an Fhraing a tha ’seasamh a nis na àite! C’àit’ am bheil na Stiubhartaich? Ciod a thachair dhoibh, agus ris na fir-comhairle aca, agus do’n stiùireadh-riaghlaidh a thug iad do chùisean na dùthcha? Gu dearbh, tha na Stiubhartaich marbh, agus tha gach ni a bhuineadh dhoibh gu tur marbh mar an ceudna. Shluig Sasunn suas Albainn nan Gall, ionnus nach ’eil eadar-dhealachadh air bith eadar muinntir Shasuinn agus muinntir machraichean na h-Alba. Ach, a thaobh Gàidheal na h-Alba, tha esan beò agus beothail fathast. Tha uaislean agus islean a’ co-oibreachadh ri chéile a chum taice a chumail ris an t-sean Bhrataich Ghàidhealaich. Is iad Gàidheil na h-Eirinn, gun teagamh, a tha ’seòladh na slighe do Ghàidheil na h-Alba, anns an ni so, mar ann an iomadh ni eile. An Alba, mar ann an Eirinn, ma ta, biodh am focal-faire so air a thogail, Imperium ex Imperio. Cha’n ’eil feum aig ar muinntir-ne a bhith “dileas” no “umhail” do’n ni sin, no do’n te no’m fear ud. Oir, gu dearbh, is ann roimh bhreith no iomradh nan Sasunnach, agus an cuid Iompaireachd, tha sinne. AGRARIAN EFFICIENCY [Beurla] [TD 207-215] [Beurla] [TD 216] [Beurla] DAGOS [Beurla] [TD 217-229] [Beurla] [TD 230] [Beurla] DIES IRAE (1) (LÀ NA FEIRG) ’S e ’n làtha sin làth’ na dunach, Thig am Bràth ’ni smal de’n chruinne; Dh’innis Sibil ’us Dàï ’n cunnart. (1) Air a eadar-theangachadh o’n Laidinn le Iain Mac Dhòmhnaill, Fear na Ceapach, nach maireann. [TD 231] ’S mòr an sin a bhios a’ bhalla-chrith ’N àm do’n Bhreitheamh tigh’nn a làthair ’Sheallas mean airson gach failinn. Sèidear trombaid ’s gàbhaidh toirm, Cluinnear anns gach àit’ a ghairm, Thionaileas gu mòd na mairbh. Bàs us Nàdar theid à cleachdadh Cuirp ag éirigh suas gu beatha, Tigh’nn air bial-thaobh clàr-na-Breithe. Leabhar sgriobhte thig am follais, ’Bheir do’n t-saoghal ceart mar thoilleas. Air do’n Bhreitheamh dol ’s a’ chathair Cha ghabh uaigneas air bith falach ’S air gach giamh theid cìs a ghabhail. Dè, an sin, mo thruaigh, ’a their mi Dè ’m fear-cònaidh ’ni mo sheasamh? Oir ’s gann a thiarnar na deadh-chreidich. Iosa ’n iochd—air mo rath-sa ’Dh’fhuilig anshocair us tàmailt, Na dian mo dhibhirt an là sin. ’Thi ’rinn urad air mo shon-sa, A dhoirt d’fhuil air fiodh na croise, Cuir dhomh ’n ìre brigh do lotan. Fuasgladh agus Binn aig d’fhocal, Diomb na fiachan, saor a mhathadh Mu’n d’thig orm-sa Latha’n Tagraidh. ’M chiontach dìblidh goirt ag acain, Buthadh nàire ’thoill mo pheacadh, Baigh a Dhia rium, ’s dian m’agairt. [TD 232] Thi ’thug mathanas do Mhairi, ’Gheall do’n mheirleach seilbh am Pàras Chuir thu mis’ an dochas làidir. M’ùrnaigh lag, ’s mo chrabhadh fionnar Neartaich féin, bho ’n ’s tu is urrainn, ’S teasrig mi bho lasair Iutharn’. Deònaich àit’ dhomh ’measg nan caorach; As na gobhair cuir gu taobh mi ’S air an deas-làmh gabh gu caomh ruim. Bho’n mhuintir mhollaichte ’gan claoidh, An teine dian nach tùchair ’chaoidh, Gairm-sa mi am measg nan naomh. Le cridh’ umhlaidh, briste, cràiteach, Mo dhian ùrnaigh ruit a Shlan’air, Gabh fo’ d’dhion an uair a bhàis mi. An latha dubhach sin us déurach As an smuir an duine ’g éiridh; Peacach truagh am meinn do mhathais, Baigh a Dhia ’nad iochd ri m’anam. LORD MARR’S MANIFESTO [Beurla] [TD 233-243] [Beurla] [TD 244] [Beurla] NA H-ALBANNAICH AN CANADA ANN an dlùthachadh air cùis an sgriobhaidh so a tha cho spéiseil do chridheachan nan Albannach! a tha an diugh beò, tionndaidh an inntinn gu furasda gu beathannan agus deanadais oidhirpeach Albannaich buadhach na tìre ris an canar an diugh Canada agus na Stàidean Aonaichte. Anns an sgriobhadh so, cha dèanar agartas air priomhachd no breug-dhealbhachd, a chionn cha’n ’eil na fìrinnean a thatar a’ cur sios, agus na tachartais, a th’air an aithris, ach gu meamhair àl na [TD 245] linn so ath-nuadhachadh le treuntas agus dìlseachd do dhleasnas a tha cho bitheanta a comharrachadh nan Albannach anns gach staid shaoghalta anns am beil iad ri’m faighinn; agus anns an dòigh so an eisimpleir luachmhòr a chumail suas dhaibhsan a thig as ar déigh gu feum nan linntean ri teachd. Cha’n aibheiseachadh a ràdh, mur biodh na h-Albannaich agus an sliochd ann air son dùthcha fhiadhaich Chanada thoirt gu riaghailt, cha bhiodh i an diugh cho iomraideach agus a tha i. Faodar a ràdh le cinnt, gu’m biodh e ro dhùilich do Chomunn Bàgh Hudson am feart agus am buanas fhaighinn a bha feumail dhaibh gus an oidhirpean misneachail a chur air bonn gu seasmhach, mur b’e ’s gu’n d’fhuaireadh o Albainn am pailteas iad. Maireannachd Albannach, fulangas Albannach, leanaltas Albannach, comasachd Albannach, agus treibhdhireachd Albannach; is iad so na buadhan a chomh-chuidich gus a’ mhalairteach shoirbheasach as na ghabh an Comunn sin tlachd; agus, faodar a ràdh, mòr-chùis. Bha na h-ionadan falamh an oifigean nam marsantantachd air an lionadh leis na fir-oibre-seirbhisich a’ Chomuinnré ceithir-bliadhna-deug; agus is ann troimh dhiachainn, air fhulang ann am fuachd tìr a’ chruinn-a-tuath, a dhearbh iadsan a théid ainmeachadh ann so cho toillteanach agus a bha iad air onair agus fìor-chliù. Foghnaidh facal no dhà mu bheagan de’n fheadhainn a b’àirde inbhe ìnntinn a sheòl a’ mhalairteachd-bhian phrobhaideach so. Anns a’ bhuidheann so, tha an Gàidheal ainmeal sin Sime Mac Thabhais, a rugadh ’s a bhliadhna 1750, agus a bha ’na dhuine glé neartmhor, agus comh-dhùnadach an inntinn. Dhasan, thatar a toirt cliù air son Comunn-Bian-Mhalairt na h-Iar-Thuath a [TD 246] chruth-shuidheachadh; air son comh-dheuchainneach agus comhstrì eadar na buidheannan a bha ’strì air son malairteachd nam bian a chur an dàra taobh. O so, chi sinn, eadhon anns an aimsir chian ud, agus am measg choilltean neo-bhriste America mu thuath, gu’n d’fhuair màthair-aobhair a’ mhoir Chomuinn, tèarmuinn nach bu bheag dhiubh. Is tric a dh’aobhraich a neart-inntinn agus a chomasachd an obair comhstri gnòthaich eadar e féin agus feadhainn eile; agus anns an dòigh so, bha, air uairean, nàimhdeas air a chur air bonn. Cho-chruinnich e fortan nach bu bheag, agus chuir e suas taigh-comhnuidh mòr dha-fein faisg air Montreal, far am bheil a dhuslach tiodhlaicte. An t-Albannach iomraideach sin Alasdair Mac Coinnich, a bha ’na rannsachair cho urramach, cha leigear a leas ach ’ainm, agus a chliù ainmeachadh, gus iad a bhi air an gradhachadh agus air an urramachadh. Tha esan do dh’America mu thuath mar bha Mac an Léigh agus feadhainn eile do dh’Africa. Anns a’ Chiùine, 1789, dh’fhalbh e air a thuras rannsachadh shoirbheasach thun an t-sruth air am bheil ’ainm, Abhainn Mhic Coinnich, agus lean e i gus far am bheil i a tràghadh an Cuan na h-Arctic. Gus an rannsachadh so a thoirt gu crìch shealbhaich, cha robh aige ach tri curraichean Innseanach, agus àireamh bheag de dhaoine. Cha robh nàimhdeas muinntir na tìre no an éiginn anns an robh e a chum lòn fhaighinn d’a fheara ’nan cùis eagail do spiorad neo-ghealtach an rannsachail so. Shoirbhich là thuras, agus dh’osnaich e air son saoghail eile fhaighinn a mach, gus an cur fo chìs. ’Na àm-san, cha robh dearbh fhios aig na fir-rannsachaidh air a’ cheart àite anns an robh an Cuan Siar air a shuidheachadh; agus cha d’rinn an deagh ionnsaidh a thug e sios Abhainn Mhic [TD 247] Coinnich ach a’ mhiann air urram a chur air chorra-biod gus tuilleadh àiteachan a dhèanamh aithnichte. Ach, bha fios aige gun robh e ro fhad’ air ais ann an speuradaireachd air son rannsachaidh ealadhanach a stiùireadh; agus gus uachdranachd fhaighinn air an an-fhios so, thug e, ’sa bhliadhna 1791, a thuras troimh Chanada, ’nuair nach robh carbadan no bàtaichean-dheatach luchairteach ann, gus imeachd a dheanamh socrach, gu Lunainn, far an deachaidh e a dh’fhaighinn faoghluim an àrd-chùnntais a bhiodh feumail dha a’ rannsachadh an fhuinn eadar Abhainn Mhic Coinnich agus an Cuan Siar. Rinn e so ann an deacaireachd mhòr. Troimh mheud na h-airc a bha aige ri fhulang, chaill an t-eadar-theangair a mhisneach, agus dh’fhàg se e. Cha do chum so air ais an rannsachair gaisgeil. Chaidh e sios Abhainn an Fhriosailich, agus fhuair e a mach an Cuan Siar, agus dh’fhàg e againn mòr eòlas mu cheart shuidheachadh an àite so, na creutairean talmhaidh a bha tàmh ann, na lusan a bha fàs ann, agus mu urrainneachd gus bian-mhalairt a mheudachadh air feadh na tìre. Bha e air a ghràdhachadh leosan a b’fheàrr a b’aithne e. Bha spéis aig a chàirdean dha, bha eagal air a nàimhdean roimhe, dh’àrdaich a dhùthaich e le tiodal Iarla Shelkirk; agus tha an cruinne-cé gu léir a’ faighinn tairbhe bho ’chaithe-beatha. Anns a’ bhliadhna 1815, rugadh an Albainn an Gàidheal eug-samhail sin Sir Iain A. Dòmhnullach, a thàinig do Chanada anns a’ bhliadhna 1820, agus a dh’fhàg dealbh a dheagh bheusan air Canada Aonaichte. Dhasan thatar a toirt urram air son na Roinnean sin a chur ri chéile ris an canar Uachdranachd Chanada. Aig àm ruathar nam “Finnineach,” chunnacas féumalachd aonachd [TD 248] air choir-eigin eadar nan Roinnean; ach, air tàille a’ chosdas, chaidh a’ chùis a chur an dara taobh gu àm na bu fhreagarraiche. Aig an àm so, bha e am beachd muinntir nan Roinnean Fairgeach (no Iochdrach) aonachd a dheanamh ’nam measg féin, agus air an aobhar sin, chaidh ughdarras a thoirt dhaibh le’n taighean Pàrlamaid coinneachadh ann am Baile Shearlot, an Eilean a’ Phrionnsa; agus do’n choinneamh so, thàinig Sir Iain agus feadhainn d’a cho-obraichean; agus dhealbh iad air inntinnean luchd-na-coinneamh gu’m bu mhath an rud an aonachd bheag a chur an dara taobh air son aonachd na bu mhutha anns am biodh an dà Chanada cuide-riutha; agus is e sin a chaidh a dheanamh. Anns an Iuchar, 1867, chaidh a dheanamh ’na Phriomh Mhinisteir air a’ chiad Phàrlamaid Chanada air son chumhnantan Achd America mu Thuath a chur an gniomh. O’n bhuaidh a shealbhaich Canada an a’ seòltachd riaghlaidh, agus am beartas, faodar Sir Iain Dòmhnullach a chur sios mar chomhairleach-rioghachd gun choimeas an America gus an latha an diugh. Bha e ’nochdadh ’na chaith-beatha fior ghlan na firinn, agus cha’n urrainn neach air bith a ràdh gu’n do rinn e gniomh suarach ré na h-ùine bha e fuaighte ri innleachdan riaghlaidh. Thug an troimhe-chéile bha an Albainn anns a’ bhliadhna 1745, agus na cruaidh-chàsan a bha iad a’ fulang o’n luchd riaghlaidh air mòran de na Gàidheil dol air imrich a dh’ionnsaidh America. Mu’n àm so, chaidh mu 800 dhiubh do dh’Eilean a’ Phrionnsa; mòran eile do Staidean Charolina; feadhainn gu tìr na h-Iar Tuath, troimh Bhàgh Hudson agus grunnan math do Ghleann a’ Gharaidh, an Ontario. Thàinig, cuideachd, àireamh mhòr do Albainn Nuadh agus do Cheap Breatuinn, far am bheil an sliochd air an làtha an diugh a’ [TD 249] toirt cunntais orra féin nach ’eil idir a’ cur neo-urram air an sinnsir. Tha a’ Ghàidhlig fhathast ’ga bruidhinn, agus na h-oilean ’ga chumail suas le iomadh neach. Tha leabhraichean is paipeirean air an cur a mach a tha freagrach do dh’fheumalachd an t-sluaigh. Mu leith chiad bliadhna air ais, bha paipeir Gàidhlig ris an canar A’ Chisteag air a chur a mach an Antigonish, a tha fhathast a’ cumail suas gu foghainnteach nan teagasgan agus nan fìrinnean suidhichte a tha gu math agus feum a’ chinne-dhaonna Bho chionn beagan bhliadhnaichean, bha paipeir seachduineach, am Mac-Talla, air a chur a mach ann an Sidni, a bha gu leasachadh ròsg agus bàrdachd seann Albainn agus Albainn nuaidh. Ann an Eilean a’ Phrionnsa, tha ministeir, A. Mac I. Mac a’ Chéird, a tha ’na shloinntear ainmeil. Is ogha e do’n bhàrd Mac Illeathainn a bha, aon uair:— “A’ meadhain fasaich air Abhainn Bharni Gun dad a b’fheàrr na bun-tàta lom.” Tha e air mòran de na seann òrain Ghàidhlig fhoillseachadh. Chuir an t-Urramach foghlumta, an t-Easbuig Camashron, an Antigonish, a mach leabhar-aidmheil Gàidhlig a tha cho luachmhor leis a chomh-chreidmhich. Tha na h-oidhirpean so le Albannaich America-an-Ear air an cuideachadh gu math le Gàidheil Oirthir a’ chuain Shìtheil, a tha cumail an cuimhne na glinn anns an d’rugadh iad, aig a’ bheil gaol air cànain an sinnsear, agus a tha gu fialaidh toirt seachad an airgid gus Gàidhlig chaomh, ceòl binn, agus cluichean dhuineil nan Gàidheal a chumail suas. Am measg gach soirbheachadh ’s a’ mhèineadaireachd a thàinig air Alasdair Mòr Dòmhnullach, ris an canar “Righ Klondyke,” cha d’rinn e dearmad air suim mhòr [TD 250] airgid a chur an dara taobh leis na thogadh eaglais bhriagha d’a chomh-chreidmhich, na Caitlicich, am baile mòr Dhawson. O so, chì sinn am feum math a rinn e de’n teagasg dhiadhaidh a fhuair e an tìr ’oige, Albainn Nuadh. An t-àrd urram a thug e do nìthean agus buaine na nìthean neo-mhaireannach an t-saoghail so, tha e ’ga chur air leith uapasan a leigeas air di-chuimhne Dia agus ’aoradh an uair, a gheibh iad mòran de mhaoin an t-saoghail so. Cha’n ann ris na Caitlicich a mhàin a tha an seòrsa diadhachd so fuaighte. Rinn Albannaich eile iomadh cuideachadh le’n eaglaisean féin air feadh America. Is e Alasdair Graham Bell, a rugadh ’an Glaschu (1847) a thàinig do Chanada 1870, agus a rinneadh ’na àrd-fhear-foghluim an Ard-Oil-Thaigh Bhoston (1872) a thionnsgainn an ùr-innleachd fhiachail sin an telephone. Fhuair e sgriobhadh còrach air an fhoillseachadh so anns a’ bhliadhna 1876, agus tha e gun tàmh ag oibreachadh gach là is bliadhna gus an innleachd so a dheanamh na’s fheàrr agus na’s fheàrr, gus am bheil i an diugh cho math agus gu’m faodar a ràdh nach d’fhuaradh ’mach ealain na’s féumaile na i. Am Beinn Bhrigh, faisg air Baddeck, C.B., chuir e suas togaileach mhòr far am bheil e comhnuidh gach samhradh, agus far am bi e gu dian a’ saorachadh air an obair sin nach téid aig duine ’tha beò air a deanamh cho math ris. Gun dàil, thug comuìnn fhoghlumta na Roinn Eorpa iomadh onair is tiodal do’n Albannach ealaineach so. Chaidh a dheanamh ’na thàinistear anns an Smithsonian Institute. Thug Ard-Oil-Thaigh Heidelburgh dha an inbhe a b’àirde ’bha aige, agus thug uachdranachd na Frainge dha a’ Volta Prix. Thug Ard-Oil-Thaighean Ghlaschu is Shasuinn, far na chriochnaich e ’obair-sgoile, dha gach urram a [TD 251] b’ àbhaist dhaibh a thoirt do na sgoilearan-tiodal, Leis an deagh ionnsachadh a bh’aige, ghabh e roimhe air a dheagh éideadh gus reachdan nàduir a chur fo smachd, agus feum math a’ dèanamh do gach dìomhaireachd air am faigheadh e eòlas. Am measg nan uaislean a tha ’cuideachadh le’n ùine agus le’m maoin air son cleachdannan cliù-thoillteannach nan Gàidheal agus an cànain bhrigh-mhor a chumail suas, tha a h-aon a tha comhraichte ’nam measg gu léir. Is e sin Iain D. Mac Ghillebhraigh à Palo Alto, California. Rugadh an t-uasal so an Albainn, agus tha e ’san dùthaich so bho chionn iomadh bliadhna, far am beil e ’deanamh gu math anns an obair a roghnaich e. Is e Dòmhnull Mac Chlearaidh d’am b’fheàrr a b’aithne a’ Ghàidhlig na ’Bheurla, a chuir air bonn Comunn Naoimh Aindrea ann an Tìr a’ Phuirt (Portland), Oregon, agus shoirbhich leis gu math fo stiùireadh an duine ghasda so. Bha e ro dhìcheallach ann an cumail suas bheachdan Gàidhealach am measg a luchd-dùthcha. Cha’n urrainn mi, bho ghiorrad an sgrìobhaidh so, iomradh a thoirt air gach aon a rinn mòr-mhath do’n càirdean Albannach agus do’n tìr anns an d’rinn iad an dachaidh. Ann an San Francisco tha talla mòr aig na comuinn, far am bheil leabharlann math, anns am faigh gach neach dhiubh gach ròsg is bàrdachd is àill leis. Tha e cho gnàthach do spiorad nan Gàidheal a bhi ’strì an oidhirpean misneachail, agus nach fan iad uile anns na h-àiteachan anns an cuir an imrich iad. Cha robh deòin aig an òigridh a rugadh anns na Roinnean Breatunnach air fuireach an tìr am breith. Thàinig iad ’nam mìltean do na bailtean anns na Stàidean Aonaichte anns an robh mòran do bhùithean cèirde, gu sònruichte do Bhoston [TD 252] agus York Nuadh. Am measg nan uile anns na cearnaibh so, cha’n ’eil na bheir bàrr air na h-oganaich agus na maighdeanan so an dìlseachd, an comas, agus an ealain ghluasadachd nuadh. Air ceann mòran de na mòr-chomuinn san dùthaich so, gu sònraichte far am bheil dilseachd agus earbsachd ro fheumail, an sin gheabhar na h-Albannaich, far am beil iad a’ nochdadh an ionracas a fhuair iad aig glùn am mathar an tìr an òige. Ann am baile-mor Bhoston, far am bheil mu dheich-mìle-fichead dhiubh, tha an comuinn féin aca, agus am paipeirean, far am bheil aoibhneas is deagh-bheusan na tìr o’n d’thàinig iad air an luaidh. Tha an gnàth caidreamhach dìblidh, air an d’thug ard-riaghladair na dùthcha so an t-ainm freagrach sin, féin-mhort-gineal, ro chumanta ann an earrannan de’n tir so ach, taing do Dhia, cha’n iad mic is nigheanan nan Albannach na ciontaich. Cha’n ann ’nam measg, no anns na h-àiteachan anns am bheil iad a’comhnuidh a chithear an sgaradh-posaidh, agus neo-ghaol fhear d’am mnàthan agus mnàthan-do na fir. Gun mhòran tuilleadh a ràdh mu’n chùis-neo-thaitnich so, tha sgriobhadair nam facal so gu làidir de’n bharail gur i fuil nan Albannach, fuil a tha ro luachmhor do shluagh America. An Canada, far am bheil na Gàidheil (gun ghuth a thoirt air creideamh) a’ stiùradh gnòthaichean na dùthcha, chithear cho ainneamh agus a tha an sgaradh-pòsaidh, ged tha e cho bitheanta far nach ’eil iad cho lionmhor. Cha’n fhaodar a leigeil air di-chuimhne gur Albannach an Caiptean Barr, d’am bheil na h-uile ’toirt mòr-urraim air son mar a làimhsich e na birlinnean Americanach. Tha deagh fhios, mur biodh e ’na mharaiche cho math, nach faigheadh e air Lipton na buaidhean a fhuair e. Gun an làimh- [TD 253] seachadh sgileil a rinn esan air a’ bhirlinn Americanach, cha’n fhanadh an comharradh-buaidhe sin air an robh maraichean an t-saoghail gu léir cho déidheil, cho fada anns an dùthaich so. Faodaidh, mata, Albannaich a ràdh, gu’m bheil cuimhneachain aca as am faod iad uaill a ghabhail. O’n eachdraidh san tìm a dh’aom, cha’n ’eil teagamh sam bith nach bi sliochd nan Albannach anns na bliadhnaichean ri teachd cho urramach agus a bha an sinnsear anns na linntean a chaidh seachad. Anns a’ bhliadhna 1714, rugadh Iain Pòl Jones an Albainn, agus dh’éug e am Paris, 1792, agus, as a sin, thugadh a dhuslach le mòr-urram do na Stàidean Aonaichte o chionn ghoirid. Is ann an seirbhis nan Geangach a choisinn e a chiad chomharrachadh ainmeil cabhlachail. B’e a’ chiad duine a chuir ri crann, a’ bhratach a chaidh a dhealbh leis a’ bhan-Albannaich, Ealasaid Ros, à Philadelphia. Nuair a bha e an seirbhis nan Aiteachais, rinn e mòran air son math nan luingeas-chogaidh. Is e, ma dh’fhaoidte, glacadh na Serapis euchd a b’ iomraidiche a chuir e an gniomh. Thug e seirbhis chomharraichte do chabhlaich na Frainge, agus Rusia. Bha e ’na fhior mharaiche agus mòr mhisneachail. Thug Americanach bliadhnaichean a’ cladhach agus a’ rannsachadh mu’n d’fhuair e a dhuslach ann am Paris. Chuir muinntir America luach cho mor air a sheirbhis d’an dùthaich ’s gun do chum iad suas an rannsachadh gus na shoirbhich leo. Tha a dhuslach an diugh aig fois fo bhrataich na dùthcha do’n d’thug e a sheirbhis luachmhor an uair a bha i ’na h-éiginn. Mar a tha an sean-fhacal Laideann ag ràdh: Ab uno disce omnes. B. A. [TD 254] GAELIC ARTS AND CRAFTS INTERIOR DECORATION [Beurla] [TD 255-265] [Beurla] [TD 266] [Beurla] BROSNACHADH DO NA GAIDHEIL AN uair a tha sinn a’ gabhail beachd air an aobhar mu’n do tharruing sinn ar claidheamh, mar gu’m b’ann, agus am feum a tha againn mar chinneach air leith air buille tearbhaich a bhualadh, mu’n cuir sinn a ris anns an truaill e; tha sinn a’ mothachadh dòchais aoibhnich ag éiridh suas ’nar n-inntinn gu’m bi aig a’ cheart àm so slighe air a fosgladh chum saorsa na h-Alba air fad a toirt air a h-ais, agus a chum cuing sgreitidh tràillealachd Shasuinn a crathadh dhinn. Tha a’ Ghàidhealtachd fathast beò, taing do Dhia. Cha b’urrainn uile-chumachd ghramail Shasuinn ar saorsa a ghlacadh gu buileach. Ach is ann a mhàin le treubhantas a choimhdear i. Cha’ n ion duinn fiughair a bhi againn gu’n téid sinn as o luchd-creachaidh a’ chinne-dhaonna trid bàighealachd. A réir gach coltais, bithidh mòr shoirbheachadh air a’ Chomunn a chaidh a chur air bonn o cheann [TD 267] mhios no dhà aig Aiseag na Connail ann an Earraghaidheal. Bha làn àm céum do’n t-seòrsa so a ghabhail. Tha’n sluagh ullamh gu dol an comh-bhoinn, agus cha’n ’eil iad ach a’ feitheamh gus an tig cuid-éiginn a chuireas ann an uidheam agus an rian iad. Bha Comunn an Fhearainn glé làidir anns a’ Ghàidhealtachd o cheann fichead bliadhna, agus anns an àm sin cha tigeadh uachdaran no neach eile tuilleadh is dàna air an t-sluagh. An uair a thàinig Achd nan Croitearan a mach, chaidh an Comunn m’a sgaoil—ni a bha na chall nach bu bheag. Uaithe sin, dh’fhàs na h-uachdarain agus a’ Phàrlamaid glé neo-ar-thaingeil air na croitearan—a chionn far nach ’eil aontachd, cha’n ’eil neart. Cha’n ’eil teagamh nach toir Comunn nan Croitearan agus nan Coitearan ùr-atharrachadh feumail is buannachdail air suidheachadh nan Gàidheal, agus nach toir e cothrom dhoibh an cùisean agus an còraichean féin a thagradh air mhodh iomchuidh is eufachdaich. Buaidh is piseach mata le Comunn nan Croitearan! Dh’ òrduich nàdur féin do na h-uile dhaoine gu’m biodh an cuid fearainn ro-ionmhuinn leo. Ach tha dearbh-chinnt againn féin, gu’m bheil na fleasgaich air an d’thugadh buaidh anns na làithean a dh’aom air an fuadachadh a mach thar a’ chuain, a chum àiteachan-seilg a dheanamh do na Sasunnaich. Tha na Sasunnaich, a’ sealbhachadh na cuid a’s mò d’ar gleann is d’ar beann, mar is aithne gu ro mhaith do na h-uile fear. Ach cha ’n ’eil sinn dol a chur ar seula ris na h-uile ni a rinn na croitearan anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, no leis na bha air a dheanamh ’nan ainm. Ni mò tha sinn dol a shuidhe ann am breitheanas agus a dhiteadh nan uachdaran gu h-iomlan. Mar tha’n sean-fhocal ag ràdh, “cha’n ’eil gur gun ghoirean, ’s cha’n ’eil coille gun chrianaich,” agus cuiridh beagan de [TD 268] dhroch uachdarain droch ainm do ’n chorr. Ach, tha sinn ag ràdh so, nam biodh na h-uachdarain Ghàidhealach—cha’n e an fheadhainn a th’ann an diugh, oir is gann agus is tearc iadsan, ach an fheadhainn a bha rompa—air fuireach ni bu mhò am measg an cuid tuatha; nam biodh iad air an cànain ionnsachadh, agus dol a mach agus a steach mam measg air là féille agus Di-dòmhnaich, an àite ’bhi cosg an storas le strùidhealachd agus stràic ann an Lunainn; agus nan robh iad an deagh-greim a chumail air an oighreachdan, cha bhiodh an fhicheadamh cuid de na h-uilc fo’n robh iad ag osnaich air teachd air luchd-àiteachaidh na Gàidhealtachd. Bha’n t-uachdaran, mar bu trice, anabarrach coltach ris a’ chuthaig. Dh’fhaodadh e tighinn do’n dùthaich beagan làithean anns an t-samhradh, ach cha b’fhada gus am falbhadh e. B’e sin aon rud air an robh duine bochd aon uair a’ gearan, an uair a thubhairt e:— “Uachdaran nach faic sinn, Bailidh nach dean ceartas Ministeir nach dean baisteadh, Dotair nach dean feairt oirnn.” Cha’n ’eil duine air thalamh aig am bheil ni’s mò ghraidh thir a bhreith na an Gàidheal. Co dhiù tha e bochd no beartach, tha e ’na fhior fhaoileig an droch cladaich, ged a dh’fhaodas an gleann ’san robh e òg a bhi lom, creagach, agus neo-thiorail; ged nach tigeadh as déigh na curachd ach a’ bhuinneag agus an t-sealbhag, cha’n ’eil ceàrn de’n chruinne-cé cho aluinn ’na shùilean-san. Tha e coltach ris an fhaoileig ann an òran “Dhòmhnuill nan Oran”:— [TD 269] “’S ann air slinnein an àigich A rinn mo mhàthair an t-eun diom, ’S a dh’aindeoin uidil is anraidh, Cha tig an là theid air di-chuimhn’ Mo ghaol do’n bhad.” Ach, cha’n ’eil sinn ag ràdh, air a shon sin, gu’m bu chòir do dhaoine òga, làidir, fallain, fuireach an diamhanas aig an taigh, far am bheil ni’s leòir aig a’ chirc le sgrioban gu’n lion i sgroban. B’ fheàrr dhoibh gu mòr a bhi bogadh nan gad; agus ged nach biodh aca ach an t-ubh beag le ’bheannachd (mar a bha aig mac na bantraich anns a’ sgeulachd), dol a shiùbhal an t-saoghail, agus a dh’iarraidh an fhòrtain. Ach ma dh’fhalbhas iad, falbhadh iad le’n toil féin—cha’n ann a chionn gu’m bheil e mar éiginn orra sin a dheanamh, an lorg droch uachdarain agus droch laghanna. Cha’n urrainn duine air bith a thoirt a chreidsinn oirnn gu’n do rinn na tighearnan Gàidhealach ceartas an uair a dh’fhàsaich iad bailtean is sgireachdan; an uair a bha iomadh aitreabh is coisir mhùirneach air a sgapadh, agus gun air fhàgail far an robh iad ach làrach lom, gun chloich gun chrann; an uair a bha luchd-shoithichean de’n tuath air am fògradh a dheòin no a dh’aindeoin gu dùthchana céin a chum àite réidh a dheanamh do chaoirich is do fhéidh. Agus ged a tha sinn cinnteach gu’m bu chòir cothrom a thabhairt do chuid de na croitearan dol far am feàrr an dean iad beò-shlaint, gidheadh bhiodh e chum maith na rioghachd, gu’m biodh àite tàimh air fhaotainn dhoibh ann an Albainn chaoimh nan stùc agus nan càrn. Is e na croitearan cnàimh-droma agus féithean na Gàidhealtachd; agus b’olc a dheanadh an dùthaich as an aonais. Is e na [TD 270] croitearan an dà chuid cnàimh-droma is claidheamh do’n gluasad Ghàidhealach “Ged a gheibheadh tu caogad Mhuilt is réithichean maola, ’S beag a thogadh a h-aon diubh Claidheamh faobharrach stàilinn.” Cha’n ’eil e furasda do na Gàidheil an cruaidhchas troimh an deach an luchd-dùthcha a dhi-chuimhneachadh. Ach cha’n urrainn do Achd Phàrlamaid peanas a dheanamh air na mairbh, no furtachd a thabhairt do mhuinntir a tha na ficheadan bliadhna fo’n fhòd. Ach tha sinn an dochas gu’n leasaichear cor na muinntir a tha beò. Tha sinn an dochas gu’m faigh na croitearan tuilleadh fearainn, co dhiù a gheibh iad e le Achd Pàrlamaid no air dhòigh air bith eile, agus gu’m bi an suidheachadh anns gach àite am bheil iad air a dheanamh ni’s feàrr na bha e o chionn fhada. Cha do thogadh an Roimh an aon làtha; agus cha’n fhaigh na Gàidheil an còraichean agus an saorsa gu h-iomlan ann an làtha. Ach is cinnteach, ma bhitheas sinn fior a thaobh sinn féin, agus seasmhach a thaobh ar dùthcha-ne, gu’n tig àm ar soirbheachaidh luath no mall. Rachadh sinn, mata, air ar n-aghaidh mar fhior Ghàidheil, gu duineil, misneachdail, treibhdhireach. Cumadh sinn suas ar cànain, bàrdachd, beul-aithris, agus cleachdaidhean tir nam beann agus nan gaisgeach. Tagradh sinn cuis ar luchd-dùthcha a tha diblidh is bochd, agus na cuireadh a h-aon againn smal no tàmailt air ainm is cliù a’ Ghàidheil. Tha Dia leinn féin—leis na Gàidheil. Nach b’e Colum Cille e féin a labhair mar sin? Agus ma tha Dia leinn féin, gu dearbh is coma co ’bhios ’nar n-aghaidh. [TD 271] THE WHIG ENDOWMENT BILL [Beurla] [TD 272-278] [Beurla] [TD 279] CAILLEACH IS MAC AM bitheantas, “tha aisling caillich mar a dùrachd”. Gun teagamh is e dùrachd Mhr. Bain gu’n creidear na tha e ’cur an céill anns an leabhar so—is e sin ri ràdh gu’m bheil Eaglais na Roimhe a dol a dholaidh. Le leth-shùil air a’ Phàp, agus sùil eile air a sporan, sgriobh e los a dhurachd a bhi air a steidheachadh—air paipeir. Ach chan ’eil Mr. Bain ’na aonar anns an t-seadh so. Tha e gu dearbh ’na shàmhladh air mòran dhaoine air aghaidh an t-saoghail. Is iomadh fear a th’ann a tha deanamh ceart direach mar a tha Mr. Bain a’ deanamh ’na chuid sgeulachdan, da’n ainm (le’r cead), An t-Ath-Leasachadh Nuadh. Na is miann leosan gu’n creidear, tha iad ’ga sgriobhadh anns an cuid leabhraichean, a nasgaidh agus gun chunntas sam bith. Gu dearbh, mar a their iad anns a’ Bheurla “is e am miann a tha ’na athair do’n bheachd,” no, mar a theid sinn féin, “Tha aisling caillich mar a durachd”. Agus an ni a’s fheàrr is urrainn a ràdh mu thimchioll a’ gnòthaich uile, is e sin gu’m bheil an cairdeas a tha eatorra gu tur soilleir. Their Mr. Bain, agus esan a’ cur an céill a chuid aisling: “Protestantism has never been able to regain any of the ground it lost during the counter-Reformation… Nations under the sway of the Papacy have more than once become infidel (c’àit’ is cuin a thachair so?), and in the recoil from infidelity have returned to their loyalty to the old faith; but they have shown no inclination or desire to turn for light to the faith of the Reformers. Nothing seemed more certain than that a Roman Catholic, if he lost his faith in Rome, would be- [TD 280] come an infidel; and that if his faith revived he would go back to Rome and all her gorgeous ceremonial, her degrading superstitions, her galling tyranny. The result was that no missions were carried on as a rule more languidly than those to Roman Catholics, and none seemed so hopeless of success.” Ach, a nis, agus a réir na caillich Bain, nous avons changez tout cela. Cha’n ’eil a’ chùis mar sin ni ’s fhàide. Tha saorsa a thaobh creidimh air a steideachadh gu daingean anns gach cearn is baile de mhòr-thir na Roinn Eurpa. Tha na teachdairean Prostanach, maille ri ’n cuid bribeadairean, an dà chuid calma is cathach. Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, agus an soisgeul (a réir na caillich Bain agus John Knox) air a shermonachadh do na Caitliceaich bhochda. A dh’aon fhocal, tha luchd-àiteachaidh nan dùthcannan Caitliceach air an tionndadh gu grad a dh’ionnsaidh creidimh nam Prostanach. Coma co dhiù, tha Mr. Bain ag innseadh dhuinn anns a chuid sgeulachd gu’m bheil e mar so; agus mur bi eòlas air, is cinnteach gu’m bheil am miann leis ri creidsinn na tha e ’sgriobhadh mu dhéighinn ar creidimh. A nis, nan d’rachadh leinn féin a dhol air ar n-aghaidh chum Mhr. Bain agus a chuid chàirdean a thilgeadh bun os cionn—ni nach bu dhùilich a dheanamh—is dòcha gu’m biodh sinn air ar cur fo sgeig, gun dol fad’ air ar n-aghaidh. Theirteadh rinn air ball, gu’m bheil sinn claon is aomachdail ’nar beachd; gu’m bheil ar teisteas-ne leth-bhreitheach, gun fhiù, ’chionn gu’m bheil sinn ’nar Caitlicaich. Is aithne dhuinn sin gu ro mhaith. Agus, o’n is e mar sin, tha sinn a’ cur romhainn beachdan [TD 281] Prostanach a mhàin a thoirt air aghaidh mu’n leabhar so. Deir aon de na tiolpadairean Prostanach, agus e ’sgriobhadh anns an Times a tha air a chur a mach ann an Lunainn: “We have compared his (briathran Mhr. Bain) statements with other information that we possess from various of the countries to which he refers, and although there is nothing more risky than making prognostications as to the religious future of any country, it appears to us that all the signs of the times are against any such growth of Protestantism”. Deir an tiolpadair ceudna ann an àit’ eile: “Except in one case where there is a special political cause, the accessions to Protestantism (air tir mhòr na Roinn Europa) are quite insignificant. Mr. Bain himself confesses that this is so in some countries… The one country in relation to which Mr. Bain’s contention seems well founded is Austria; but in spite of all that he says we are not convinced that the Los von Rom movement is fundamentally religious. We believe that it is largely racial and political… Every one who is acquainted with the Continent knows that there is in the Roman Catholic Church an immense store of real spiritual life; and there are within it intellectual movements far wider and more fertile than the somewhat unintelligent Protestantism of Mr. Bain. Even the statistics given by Mr. Bain himself of the growth of monasticism are hardly the signs of a decaying cause; and people do not become monks or nuns nowadays from any but a religious motive. It is one of the weaknesses of Mr. Bain that he seems to be incapable of realising either the strength or the merit of the Roman Catholic Church.” [TD 282] Na so h-uiread a thaobh. Mhr. Bain. An ioghnadh leinn nach d’éisd an tiolpadair Prostanach gu toileach ris? Gu fior, tha Mr. Bain ’na sgriobhadair mi-cheart, mi-thuigseach. Feudaidh gu’m bi an leabhar so na sgeulachd shunndach riusan a tha ’gabhail tlachd anns an Eachdraidh Mharia Monk agus a cuid sil; ach riusan leis am bheil miann ni beagan ni’s fhèarr na sud fhaotaim, is cinnteach gu’m biodh e ach mar sgeulachd fhaoin is amadanach a mhàin. WHY THE CURACOA DID NOT GO TO ARD NA MARA [Beurla [TD 283-296] [Beurla] [TD 297] [Beurla] FONTENAY AND AFTER [Beurla] [TD 298-304] [Beurla] [TD 305] [Beurla] FOCAL NUADH AM bitheantas, cha’n ’eil na Gàidheil cho ealamh agus bu chòir dhoibh a bhith ann a bhith ’toirt a steach focail nuadha d’an cànain aosda, blasda, min. Gu dearbh, is neonach so, a chionn gu’m bheil iad beothacail, tuigsinneach, ni’s leòir ’nan inntinn, agus air chaochladh dhòighean eile nach fhaod a bhith air an cur suas anns an àite so. Ghabh mi beachd sios o chionn làtha no dhà air Foclair Gàidhlig a tha agam; agus, ar leam, gu’n robh an fhàilinn so glé fhaicsinneach innte. Ach (ni a chuir ioghnadh agus diomb nach robh beag orm), thug mi fainear gu’n robh àireamh mhor de dh’fhocail Bheurla innte. An uair a tha focail nuadha a dhith air Gàidheil, an sgriobhadh no an seanachais, car son nach do chuir iad an taic ris an Laidinn, no ris a’ Ghreugais, no ri h-aon sam bith eile de chànainean na Roinn Europa, an àite a bhith daonnan a’ ruith a dh’ionnsaidh na Beurla, gus focail nuadha faotainn? Tha e air a ràdh le luchd-sgoil, agus sin gu tur fior, gu’m bheil an dàimh a tha eadar a’ Ghaidhlig agus na cànainean Laidinn mòran ni’s mò, ni’s dlùithe, agus ni’s soilleire na tha e eadar a’ Ghaidhlig agus a’ Bheurla; agus ma’s ann mar sin a tha, car son nach d’iarr sinn ar n-iasad o chànainean mhòr-thir na Roinn Europa— [TD 306] gu h-àraidh o na cànainean Laidinn—an àite a bhith daonnan ag iarraidh dhéircean o na Sasunnaich? A nis, tha focal ùr maith agam—focal Rusianach—a fhuair mi o chionn làtha no dhà anns na paipearan Sasunnach a leugh mi, cha’n ann gus mo thoil ach air son mo pheacannan—focal d’am bheil mi ’toirt spéis mhòr mar bhriathar làn seadh agus réidh; agus, leis a sin, gu fior airidh gu bhith air a thoirt a steach, agus air a suidheachadh, anns a’ chànain againn féin. Is e am focal so Pogrom. Tha pogrom a’ ciallachadh seòrsa de chasgradh mar tha e air a cur an òrdugh le Righ nan Rusianach (an Tsar), agus a chuid shaighdearan. Air do’n Tsar agus a chuid cuirtearan a bhith air an gonach air son leith-sgeul maith a los na Iudhaich Rusianach a chreach agus a chlaoidh, o chionn mios no dhà, rinn iad Pogrom ’nan aghaidh—is e sin ri ràdh, chòrd iad eadar féin na Iudhaich a chreach agus a chasgadh, an déidh do’n shluagh bhochd, mhi-fhortanach, sin a bhith air an farranachadh le dimeas agus le an-iochdmhorachd ro oillteil. Pògrum, casgradh Rusianach (ainm-fhocal bhoirionn). Sing. Gairm. Pògrom, casgradh Rusianach. Guth. A Phògruim. Gineamh. Pògruim. Tabhairt. Pògrum. Iomadh. Gairm. Pògruman. Guth. A Phògruma, etc., etc. R. MAC UILLEIM. [TD 307] Guth na Bliadhna LEABHAR III.] AM FOGHAR, 1906. [AIREAMH 4 CUID NAM FINEACHAN FADA fa-dhéireadh, agus an déigh mòran bhliadhnaichean tha againn a nis Bille ùr Fearainn—Bille, mar an ceudna, anns an urrainnear t-lachd mhòr a ghabhail, agus as am bheil sinn a’ tarraing earbsa mhòr air taobh Fineachan na h-Alba. Cha ’n ’eil teagamh sam bith againn nach ’eil Bille Mhr. Sinclair ’na Bille anabarrach maith airson nithean na beatha-sa, agus buileach feumail mar an ceudna; agus, mar tha cuid ag ràdh aig a’ cheart àm so, is maith an comharradh oirre gu’m bheil an Scotsman, agus a luchd-leanmhuinn am measg uachdarain an fhearainn, ’na h-aghaidh am muigh agus am mach. Ach, is éiginn duinn, roimh ar beannachadh a thoirt dhi, a cuid ponganan fhaighinn a mach, agus an cur mu choinneamh ar luchd-leughaidh; beachd curramach, smioral, a ghabhail air na stéidhean sin a tha aig bonn na Bille so. Agus gu sin a dheanamh air dhòigh agus nach leig sinn e fo amharus sam bith a thaobh nam bunailtean sin, as am bheil e ’toirt làn earbsa ruinn fhéin, is éiginn duinn doras Eachdraidh na h-Alba fhosgladh car tamuill, agus sùil a thoirt ré ùine bhig air sean nithean na Gàidhealtachd. [TD 308] An toiseach, mata, cia mar a chaidh am fearann a’ riaghladh am measg nan seana Ghàidheal, agus ciod iad na còirichean a bha aca air talamh na dùthcha anns na làithean a dh’ aom? An uair a gheibh sinn thairis air so, gabhaidh sinn beachd air a’ Bhille féin, a los, theagamh, gu’m faigh sinn leasachadh no choir-eigin a chuireadh sinn a steach innte. Tha a’ chiad sealladh a ghabhas sinn air ar sinnsearan a’ nochdadh dhuinn gu’n robh iad mar phriomh-fhir, no mar dhuine borba a mhàin. Is e sin ri ràdh, chum iad an cuid treud is buar; agus cha robh aca ach fìor bheag de nithe sam bith eile: cha robh eòlas aca gus a so air àiteach. Rinn iad am beò air sealgaireachd agus iasgach; agus mar iomadh cinneadh borb eile, cha robh aca ach còirichean cumanta air am fearann. B’e so an staid anns an robh iad air tùs; ach gur ann mar chaidh iad air an adhart air rathad a los callachadh is modhalachd ruigheachd, is ann mar so a dh’fhàs iad diombach, mi-thoilichte leis an t-suidheachadh thoiseachail a bha aca; gun amharus, rud a thachradh gu cinnteach, oir mar is mò a chuir iad an cùil ri cleachdannan neo-oileanta an sinnsearan, is ann is mò a chuir iad iadsan an suarachas. Ach, mu àm toirt a steach do’n Chreideamh Chrìosdail do’n dùthaich so thuit an seann Riaghailt Ghàidhealach fo atharrachadh anabarrach mòr. Agus, maille ri iomadh ath-leasachadh eile a chaidh a chur air bonn aig an àm ud, chaidh na laghanna-fearainn air fad air am meudachadh agus air an cur am feabhas. Ghabh ùaghdairean agus muinntir na dùthcha fo bheachd nach robh na seana laghanna-fearainn iomchuidh no freagarrach dhoibh ni’s mò, a chionn agus nach robh iad ’nan daoine borba, allabanach, gun àite-comhnuidh suidhichte sam bith aca tuilleadh. Chi sinn a nis am fearann [TD 309] a bhuineadh do’n Chlann air a roinn gu léir ’na tri earrannan. B’e a’chiad earrann am fearann a bha aig a’ Chlann—na Fineachan. Thug ar sinnsearan Feachd—is e sin si ràdh “fearann cumanta”—mar ainm air an roinn so. B’e an dàra earrann ’na fearann a bhuineadh do’n Eaglais agus do’n Righ; agus thug iad Fearann Dréachdach mar ainm air an roinn so. B’e an treas earrann ’na fearann a bhuineadh do na Flaithibh; agus thug ar sinnsearan Orba mar ainm air. A thaobh na ciad earrainn, bha còir aig gach duine saor a bhuineadh do’n Chlann a chuid treudan a dh’ionaltradh air an fhearann so; agus bha còir aige, mar an ceudna, ri cuid de dh’fhearann-treabhta, agus ri àite-comhnuidh d’a fhéin. A thaobh na dàra earrainn, bha am fearann so air a chur seachad leis an Fhine airson teachd-an-tir agus beathachaidh an Righ, agus a mhaoir (1); agus airson teachd-an-tir agus beathachadh na h-Eaglaise agus a cuid Pearsa. A thaobh na treas earrainn, bha a’ chuid bu mhò de’n fhearann so air a chumail leis na Flaithibh ’nan làmhan fhéin. Shuidhich iad an luchd-leanmhuinn (an dà chuid saor is daor) air, agus bha cead no còir aca, mar an ceudna, ris an fhearann so a thoirt seachad mar ghibht do’n fheadhainn sin a bha ri tighinn as an déigh. Chi sinn, mar so, gu’n robh tri cumhachdan mòra air an suidheachadh am measg nan seana Gàidheal, agus fo’n Rìaghladh, Ghàidhealach—is e sin ri ràdh:— 1. An Fhine. 2. An Eaglais agus an Rìgh. 3. Na Flaithean. Chi sinn gu soilleir mar so gu’n robh an Fhine ’na mathair, mar gu’m b’ann, do chach, agus ’na cladhan as an do ruith an cumhachd uile a bha aca fa leth. (1) Am Bàrd, am Britheamh, an Seanachaidh, etc. [TD 310] Chi sinn mar so, mar an ceudna, an t-atharrachadh mòr a bha eadar am Feudal System agus Rìaghladh nan Gàidheal. Fo’m Feudal System, b’e an Rìgh ’na aonar a bu mhathair-aobhar do’n chumhachd uile a bha aig gach ni agus neach a bh’ann. A réir tionnsgnaidh no beachd, b’e an Rìgh e fhéin o’n do shruth gach cumhachd, agus gach onoir a bh’ann; agus gun a chead no a thoil-san, cha robh e idir comasach do ni no neach sam bith fearann no tiodal a shealbhachadh anns na dùthaich air fad. A thuilleadh air sin, chi sinn mar so an t-atharrachadh mòr a tha eadar Rìaghladh nan Còmunnairean agus Rìaghladh nan Gàidheal. Tha na Còmunnairean ag ràdh gu’m bheil còir aig an Stàid ris gach neach agus gach ni a tha an taobh a staigh dhith. Their iad, gu’m bu chòir do’n fhearann uile, maille ri gach ni eile a tha air uachdar dheth a bhith ’na làn sheilbh aig an Stàid; ach cha’n ann mar sin idir a tha Rìaghladh nan Gàidheal a’ gabhail beachd air a’ chùis. Cha chreid na seana Ghàidheil, ni’s mò tha sinn fhéin ’ga chreidsinn aig a’ cheart àm, gu’n robh e ’na ni maith do’n t-sluagh gu léir iad a bhith fo smachd na Stàide; agus cha b’àill leo riamh na cumhachdan uile an cur an aon làmh a mhàin. An àite sin, chuir iad air bonn an innleachd sin d’an d’thug iad mar ainm “Ionannachd Cothroim”—is e sin ri ràdh, roinn iad na cumhachdan rìoghail a bha aca ‘nam measg fhèin, a’ gabhail fior churaim nach robh tuilleadh is mò de chumhachd aig neach seach neach; ach gu’n robh an t-aon chumhachd a bha iad a’ toirt seachad gu fior ionann ris an fhear eile. Mar so, fhuair iad an “Ionannachd Cothroim” sin a bha dualach dhoibh, agus a bha ’gan comharrachadh a mach, maille ri’n Rìaghladh fhèin, fad linntean o shean. Is e so, mata, seilbh a tha anabarrach [TD 311] priseil duinn; agus a chionn agus gur h-aon e de na cuspairean a tha aig a’ Bhille so an “Ionannachd Cothroim Ghàidhealach” a chur air ais, agus a shuidheachadh ann ar measg as ùr—a réir gach coltais—is e ar barail gu’n d’rinn Mr. Sinclair, agus luchd-riaghlaidh na dùthcha, glé mhaith ann a bhith ’ga toirt a staigh do’n Phàrlamaid Shasunnaich, agus gu’m bheil e a nis ar dleasnas taitneach, sunndach, fàilte is furan a chur oirre. Ach, mu’n cuir sinn crìoch air an roinn so d’ar ceann-teagaisg, is èiginn duinn focal no dhà a ràdh mu dhéighinn a’ mhodh anns an deachaidh an Rìaghladh Gàidhealach a dhith; agus, gu h-àraid, mu thimchioll nan tubaistean sin a thachair oirnn ’na lorg. An toiseach, abramaid gu’m bheil gach ni a chuir sinn an céill gu so suas furasda a bhith air a dhearbhadh le Eachdraidh, co dhiù is e Eachdraidh na h-Alba no Eachdraidh na h-Eirinn a th’ann, agus as am bheil sinn a’ tarruing ar beachd. A thaobh an Rìaghlaidh Ghàidhealach an Albainn, chi ar luchd-leughaidh còmhdach nach ’eil breugach air so anns an leabhar ainmeil sin ris an goirear Leabhar Dheoir, agus anns am bheil gach ni a tha sinn a’ cur an céill mu dhéighinn nan seana Ghàidheal, agus an cuid cleachdannan, air a shuidheachadh gu tur soilleir, ionnus gu’m bheil cothrom ann aig gach fear aig am bheil miann gu leughaidh no imeachd gu sin a dheanamh, gun thrioblaid no dhorran sam bith. A nis, air do’n cheud Rìgh Dhàibhidh crùn na h-Alba fhaotainn le cuideachadh o ’chuid Frangaich, maille r’a chuid Sasunnaich, thug e a staigh leis an Rìaghladh Frangach, (1) ris an goirear anns a’ Bheurla, (1) Gu firinneach, cha b’e “Rìaghladh Frangach” idir a bh’ann ach Rìaghladh Romhanach. B’iad na Romhanaich a chuir e air bonn anns an Eoinn Eòrpa air tùs; ach is ann leis na Frangaich a bha e air a thoirt a staigh do Bhreatuinn; agus, mar so, thug sinn mar ainm “an Rìaghladh Frangach” air. [TD 312] am Feudal System. Ciod e, mata, am modh rìaghlaidh ud? Chuir sinn sin an céill mu thràth. Leis a sin, gabhaidh sinn cead a dhol air ar n-adhart gun a ràdh smid tuilleadh dheth an so, ach gu’n robh e ’na mhodh rìaghlaidh a bha gu tur an aghaidh an Rìaghlaidh Ghàidhealaich. B’e an cuspair a bha aig an Rìgh so, agus aig a luchd-leanmhuinn air cathair-rìoghail na h-Alba, cumhachd na dùthcha fhaotainn ’nan làmhaibh fhèin; agus a los sin a dheanamh air dhòigh agus nach bitheadh rum no cothrom ann ri mearachd no fàillinn sam bith, b’èiginn da, agus d’a luchd-leanmhuinn, cumhachd na Fine a chur as; agus am modh a’s feàrr gu sin a dheanamh, b’e sin, le’r cead, fearann no cuid nam Fineachan a thoirt air falbh uapa. Chi sinn gu furasda gu’n robh a’ chùis mar so le dearbhadh a’s simplidh a th’ann. Ciod a thachair do’n t-sluagh air do na Flaithibh a bhith air an ceannsachadh leis an rìgh airson “ceannairc,” no léith-sgeul eile mar sin? An d’aisig an rìgh am fearann a thug e leis, leis a chuid fheachd, air a h-ais do’n Chlann? Cha d’aisig gu déimhinn! An àite sin, ghlèidh e an cuid fearann d’a fhéin, no thug e seachad e do neach sam bith eile a bha an cairdeas ris, no do na Flaithibh “ceannairceach,” air dha an deanamh umhail dha fhéin air sgath an fhearainn a bha aca. Anns an dòigh so, chaidh cuid nam Fineachan air chall, agus a thoirt air falbh uapa. Bha i air a goid uapa, ceart mar an deachaidh an cù glas a chaidh a ghoid air Fhionn! Roinn an Rìgh agus na Flaithean cuid nam Fineachan eatorra fhéin; agus ma sheas an Eaglais a mach fad mòran bhliadh- [TD 313] naichean an déigh sin, ciod a b’aobhar da, ach gu’n robh i tuilleadh a’s cumhachdaiche gu bhith air a creachadh an dàra cuid leis an Rìgh no leis na Flaithibh? Ach, mu dheireadh, thuit an Eaglais, mar an ceudna, air dròch làithean. Chaidh a creachadh leis an Rìgh agus leis na Flaithibh, air do luchd-deanamh an “Ath-leasachaidh” làmh-an-uachdar fhaotainn an Albainn. “The gaunt and hungry nobles of Scotland (their Froude san Eachdraidh a sgrìobh e), careless, most of them, of God or Devil, were eyeing the sleek and well-fed clergy like a pack of famished wolves.” “They could scarcely be compelled to afford the starveling stipends of the ministers,” their Mr. Lang. Mar mhadaidhean-alluidh sgriosail, acrasach, ràpach, ruith iad a sios o’n cuid daingnichean air cuid na h-Eaglaise; agus, maille ris an Rìgh, rinn iad anns a’ chuis so ceart mar a rinn iadsan fada roimhe so ri cuid nam Fineachan. An saoil sibh gu’n robh guth no sùil aca ris a’ mhaith chumanta am feadh agus a bha iad a’ creachadh na h-Eaglaise; no gu’n robh iad air an lionadh le smaointean neamhaidh an uair a bha iad a’ toirt còir na h-Eaglaise r’a fearann féin air falbh uaithe? Cha b’ann mar sin idir a bha iad a’ gabhail ris a’ chùis. B’e an cuspair a bha aig na Flaithibh an ceart ni a bha aig an Rìgh, is a sin ri ràdh, tuilleadh de dh’fhearann fhaotainn; tuilleadh de chumhachd fhaotainn; agus, gus làn ghréim fhaotainn air sin, cha d’thug iad sùil aona chuid air laghanna Dhé no air laghanna dhaoine. Agus, is ann mar so a bha e fad mòran bhliadhnaichean. Dh’fhàs muinntir na dùthcha ni’s fainne agus ni’s fainne, mar an deachaidh na blaidhnaichean air an adhart. Cha robh Eaglais ann [TD 314] ni’s mò, gus còirichean nam Fineachan a dhìon agus a chumail suas, mar a b’fheàrr a dh’fhaodadh i. Bha Fineachan na h-Alba a nis air tròcair nam Flaithean, agus an làn earbsa ri’n Rìgh. Agus, gu dearbh, is fior bheag de na ni a chaidh a’ chiad ainmeachadh a fhuair iad. An àite sin, dh’fhuadaich iad a mach iad gun tròcair no suim air bith ri h-aois, no gné, ’nuair a dh’fhàs iad air beachd nach robh feum aca dhoibh tuilleadh, agus an uair a bha iad làn déidheil air caoraich is feidh a ghabhail a staigh do na glinn agus daoine a chumail a mach. Ach, fada mu dheireadh, thàinig (taing do Dhia), a’ cheud chuideachadh a fhuair Fineachan na h-Alba o chionn iomadh bliadhna; agus chaidh Achd nan Croitearan air a shuidheachadh anns an dùthaich le cead na Pàrlamaide, anns a’ bhliadhna 1886. Thug an Reachd sin cuideachadh mòr do na Croitearan; ach cha do fhreagair e a’ chùis mar bu chòir. Ach is ann an sin a thoisich an obair fheumail, éiginneach, mhaith, ged nach robh e ach mar thoiseachadh a mhàin air a’ ghnothach. Cha do bhean e ach ri oir a’ ghnothaich. Cha robh e comasach do’n Achd sin an t-olc no an eucail uile a thoirt air falbh uapa, ged nach robh e gun sochair gu léir. Mar sin, rinn na Croitearan, agus an cuid càirdean a bha air taobh a staigh, maille riusan a bha air taobh a muigh de na Pàrlamaide stri nach robh beag gu leasachadh is farsaingeachd a chur air an Achd; ach, fad mòran bhliadhnaichean, is ann mar dhaoine aig nach robh ach a’ bheag de dhòchas a bha iad a’ cumail suas aobhair nam Fineachan Albannach. Ach, a nis (taing do Dhia), tha gu bhith againn “Reachd nan Gabhaltaichean Beaga”; agus a réir gach coltais, bithidh an Achd so mar chairt-iùil ùr do na Croitearan, agus mar inneal shaorsa do’n dùthaich air fad. [TD 315] Tha sinn deas, mata, ar seul a chur ris a’ Bhille so, agus na reusanan sin a thathas ’gan toirt oirnn sin a dheanamh, is iad mar so iad. An toiseach, is e ar barail gu’m bi a’ cheud bhuannachd a théid a mach o’n Reachd so is e so, Fineachan na h-Alba a chur air am bonn fhéin, a rìs agus a chaoidh. Anns an dàra àite, is ro thaitneach leinn na cumhachdan eigineach sin a tha e ’toirt a staigh leis. Anns an treas àite, tha a’ Bhille so air a dealbhadh air dhòigh agus nach ’dol an aghaidh nòis is cleachdannan nan Gàidheal: air an làimh eile, tha e ’cordadh gu maith riutha. Anns a’ cheathramh àite, tha a’ Bhille so ’na gnìomh ceartais, agus bithidh sinn glé thoilichte nam biodh e comasach cuid de dh’fhearann a bha air a thoirt air falbh o’n t-sluagh anns an bliadhnaichean a chaidh seachad a thoirt air ais as ùr do na Fineachan Gàidhealach. Anns a’ chuigeadh àite tha sinn a’ ’faighinn tlachd mhòir as a’ Bhille so, a chionn agus gu’m bheil i gu bhith air a cur ri’n dùthaich gu léir. Gu dearbh is e so comharradh anabarrach maith oirre; agus tha dòchas againn gur ann mar so a bhitheas e a ghnàth agus gu buileach anns na bliadhnaichean a tha ri teachd. Gu dearbh, is mithich do na Gàidheil a bhith ag iarraidh a’ chiuil, gus an dean Albainn dannsa air sgath an lagha ùir so. Agus is e so an séathamh reuson airson gu’m bheil sinn a’ cur ar taice ris a’Bhille, gur h-e, a nis, an Stàid a tha mar dhìon agus mar inneal-gléidhidh do’n t-sluagh gu léir. Dh’fhalbh na Fineachan mar inneal agus mar ghnothaichean reachdach gu buileach; agus an cumhachd a bha aca anns na làithean a dh’aom, tha e a nis aig luchd-rìaghlaidh na Stàide. Anns an t-seann seadh, anns an t-seann mhodh, cha’n ’eil “Clann” no “Fine” ann ni’s mò. Dh’fhalbh iad, mar sgeul a dh’inn- [TD 316] seadh; ach ma dh’fhalbh, gu cinnteach, tha iad fathast a’ làthair. Ciod i an Stàid idir air an làtha an diugh ach co-chruinneachadh mòr de chlanna agus de dh’Fhineachan? Na h-uiread so a thaobh nan stéidhean mòra a tha aig bonn na Bille so. Anns ar n-ath àireamh, cuiridh sinn an céill na smuaintean a tha againn mu dhéighinn nam meanbh phongan a tha ’ga comharradh a mach. EDUCATION AND “ATMOSPHERE”. [Beurla] [TD 317-327] [Beurla] [TD 328] [Beurla] ARMACHD AIG a’ chruinneachadh mhòr a thachair an Lunainn a’s t-samhradh so chaidh, agus ris an goirear anns a’ Bheurla an International Parliamentary Conference, labhair cuid de ’n luchd-labhairt a bha lathair gu duineil, gu calma an aghaidh Armachd. Chuir iad an céill na smaointean a bha aca mu’n chùis so air dhòigh agus nach leig duine sam bith a bha ’gan éisdeach a bhi an amharus nach robh làn fhìrinn aca anns na h-uile ni a thubhairt iad air mhodh cho soilleir agus sòlaimte. Chuir iad an céill iomadh fìrinn cudromach mu’n ghnòthach so, agus a thug mòran de dh’eòlas dhoibhsan a bha lathair. A réir agus mar a thubhairt an teachdaire Frangach, tha an Fhraing a’ buileachadh air an armailt, agus air a cuid cabhlaichean suim ni’s lugha na 1,000,000,000 frs. gach bliadhna; agus ris na fioghairean so, cuiridh sinn feadhainn eile air sgath fiosrachadh ar luchd-leughaidh. [TD 329] SÌTH ARAMACHD NA ROINN-EORPA, 1905-6. [Clàr] [TD 330] Is maith a dh’fhaodas sinn iognadh ghabhail as na fioghairean so. Is maith a dh’fhaodadh an teachdaire Frangach fhaighneachd, air dha ’oraid a cho-dhunadh ’sa labhairt, “de a choisinn sinn nur choinneamh so uile?” Fhreagair e gu maith. “Is aobhar maslaidh agus cromaidh cinn duinn e: cha’n e a mhàin gu’m bheil Armachd ’na aobhar maslaidh do gach dùthaich Chrìosdail a tha ’ga cumail suas; ach gu’m bheil i bagradh an dorus a dhunadh air gach ath-leasachadh a th’ann no a bhitheas airson sluagh na Roinn Eòrpa.” Chaidh an International Parliamentary Confenrence mu sgaoil; ach na cuspairean a bha aige, agus na chuir e an céill, maille ri na leasanan a thug e seachad, tha iad beò fathast. Chi sinn so mar thubhairt Sir Uilleam Mulcock an Canada o chionn beagan ùine. B’e Sir Uilleam a bha ’na Ard-Mhaighstir-Phostachd Chanada roimhe so; agus b’esan a dh’fhosgail am Foillseachadh-Marsantachd Dùthchasach an Toronto o chionn mìos no dhà an lathair cruinneachacdh mhòir de shluagh o gach roinn is cearn de’n dùthaich mhòir ud. Thubhairt Sir Uilleam, a réir nam paipearan-naigheachd: “This Canada of ours is the only country in the world worth living in; the only country that is not burdened by great military debts, handed down by previous generations. Keep it on those lines. Watch carefully every tendency towards militarism; for we know that preparation for war leads to war. Remember this is the last spot on God’s green earth where men can come and not pay for the sins of their ancestors.” Is maith a thubhairt Sir Uilleam gur e uigheamachadh airson cogaidh dòigh a’s feàrr a th’ann gus cogadh a chur air bonn agus ’ga bhrosnachadh. Ach, saor o sin, is e an dòigh a’s feàrr gus bagradh [TD 331] a chur air iomadh ath-leasachadh feumail is cudromach a tha m’ar coinneamh air an àm. Cia meud uair nach d’éisd sinn an fhreagairt mhuladaich, mhi-thaitnich ud, air do chuid-eigin éiridh o’n t-suidheachan aige anns a’ Phàrlamaid Shasunnaich, agus beagan airgid iarraidh airson ni-eigin a tha air dhìth, “le’r cead, cha’n ’eil agam ri toirt seachad. Gabh mo leth-sgeul; ach cha’n ’eil airgiod agam. Tha mi am méinn ur cuspair còir, cubhaidh, a chur air adhart; ach cha’n ’eil airgiod agam gu sin a dheanamh.” Gu cinnteach, is iomadh ni feumail agus luachmhor a tha air a bhagairt aig an àm air an dòigh so. Ciod e tha ’cur dàlach air saor-dhuaisean airson dhaoine bochda, aosmhor, ach gainne airgid an lorg Armachd? Car son nach biodh foghlum cumanta air feadh na dùthcha so mòran ni’s fheàrr na tha e a nis, ach do bhrigh gu’m bheil Armachd a’ caitheamh stòrais na dùthcha an dòigh ris nach robh a choimeas riamh ann roimh? Car son a tha e cho ro dhuilich airgiod na Stàide fhaotainn gus rathadan-mòra agus calachan na Gàidhealtachd a chur am feabhas; airson nan iasgairean cumanta, agus airson àiteach, agus airson iomadh ni eile a bhuineas do’n fhearann? Nach e aobhar do so uile gu’m bheil Armachd a’ dùnadh a mach an rathaid do gach leasachadh feumail, sochrach a th’ ann troimhe a chìocras sgriosail, agus leis a struidheas ain-diadhaidh? Ciod a tha mòran sluaigh ag ràdh aig a’ cheart àm so mu thimchioll Achd ùr nan Croiteran, nach ann mar sheòrsa de struidhealachd a tha iad a’ gabhail ris? “Cha’n ’eil e iomchuidh aran na cloinne a ghabhail, agus a thilgeadh do na coin.” Cha’n ’eil e iomchuidh (their iad), airgiod na dùthcha a ghabhail agus a thilgeadh do na Croitearan. “Is e ar ceud [TD 332] dleasnas an Iompaireachd Sasunnach a chumail suas le togail shaighdearan, le deanamh ghunnachan mòra, agus le meudachadh ar cuid cabhlach: leig do na Croitearan an dùthaich fhéin fhàgail, agus an dol far am feàrr an dean iad beòshlaint, mur biodh beathachadh agus àite tàimh air fhaotainn dhoibh an Albainn.” Is ann airson so—do bhrigh gur e Armachd a tha a’ dunadh a mach an rathaid a dh’ionnsaidh gach leasachaidh fheumail shochairich a th’ann no a bhitheas—gu’m bheil mòran sluaigh air feadh dùthchannan na Roinn Eòrpa am beachd gu’n d’thàinig an t-àm a nis gu srian a chur ri meudachadh agus ri cumail a suas nam feachd agus nan cabhlach a tha air uachdar an t-saoghail. Their iad: chuir sinn an duello fo ar casaibh an iomadh àite; car son, mata, nach cuireadh sinn ar cùl ri aimhreit eadar cinnich fa leith? Ma tha e ’na ni maith do dhuine fàth a thrioblaid a chur an céill air beulaobh a’ bhreitheimh, car son nach biodh e ’na ni maith do chinnich fàth an cuid aimhreitean a chur an céill air beulaobh luchd-deanamh na sìthe? Ma tha an t-aon ni do-dhionadh, a chionn agus gu’m bheil e dol an aghaidh spiorad is laghanna a’ Chreidimh Chrìosdail, an e nach ’eil an té eile gu bhi air a diteadh airson nan reusonan ceudna? Ach, tha cuid ag ràdh an aghaidh so, gur e “Ceannachd a tha ’leantuinn na Brataich”—is e sin ri ràdh nach b’urrainn duinn ar malairteachd a chumail suas as a h-eughmhais; agus gun Armachd, nach biodh againn na meadhonan agus na cothruman sin a tha againn a nis (a los ar cuid malairteachd a chumail suas agus a sgaoileadh air feadh an t-saoghail) an lorg cumail suas agus meudachaidh ar n-armailte. A thaobh a’ cheud ni, gun teagamh, gun armailt, [TD 333] gun chabhlach air bith, cha bhiodh e comasach duinn dùthchannan is cinnidhean eile a chur suas agus a chumail fo smachd; ach co a thug dhuinn còir no cead gu sin a dheanamh? Cha b’e Dia ach clann daoine a tha aig bonn na h-eucorach so. Ma tha sinn uile ionann air beulaobh Dhé, tha e soilleir, mar sin, gu’m bheil còirichean coimh-ionannachd aig a h-uile h-aon againn; agus ma is ann mar so a tha, car son a tha sinn a’deanamh strì gus còirichean dhùthchannan eile a thoirt air falbh uapa? An aghaidh so, tha luchd-deanamh a’ chogaidh anns an dùthaich so ag ràdh, gur e ni car maith còirichean dhùthchannan eile a thoirt air falbh uapa, agus iad a chur fo smachd agus fo chìs dhuinn fhéin; ach is cealgairean agus fir-aithris bhreagan iadsan gu buileach. Nam b’e airson maith a mhain a thug na Sasunnaich buaidh air India, air an Eiphit, agus air mòran dhùthchannan eile, ciod is ciall do’n gnàth-fhocal a chuir sinn an céill a cheana, agus a tha iadsan a ghnàth a’ sparradh air adhart—is e sin ri ràdh gur e “Ceannachd a tha a ghnàth a’ leantuinn na Brataich”? Thug na Sasunnaich buaidh air India, air an Eiphit, agus air mòran dhùthchannan eile a chionn agus gu’n d’iarr iad làmh-an-uachdar fhaotainn orra, agus a chionn gu’n robh iad déigheil air an cuid fearainn a ghabhail doibh fhéin. Mar so, thug iad buaidh orra: cha b’e idir gu’n robh guth aca air am maith no air an slàinte (spioradail no aimsireil); agus, gu dearbh, is fior bhaoghlan esan a tha ’gabhail beachd air a’ chùis so rathad sam bith eile. A thaobh an dàra ni, is e sin ri ràdh, nach b’urrainear ar cuid malairteachd a dhìon agus a chumail suas as eughmhais Armachd, is fior neonach an leith-sgeul sin. Gabh beachd air Belge, aon de na dùthchannan a’s beirtiche agus a’s [TD 334] soirbhiche a th’ann air an làtha an diugh: gidheadh is e beagan ghunnaichean mòra agus longancogaidh a th’aice. Air an làimhe eile, is i Ruisia aon de na dùthchannan a’s mò agus a’s cumhachdaiche a th’ann; ach is i, mar an ceudna, aon de na dùthchannan a’s lugha beirteis, a’s lugha soirbheis, agus a’s lugha sithe a tha air aghaidh an t-saoghail, ged is mòr an t-suim a tha an Tsar, maille r’a chuid cùirtearan, a’ struigheadh air feachd na mara agus air feachd na tire gach bliadhna. Ma tha e fìor gu’m bheil “Ceannachd a ghnàth a’leantuinn na Brataich,” car son a tha na h-àiteachais a bhuineas do’n Fhraing, do’n Eadailt, agus do’n Ghearmailt cho ro neoluachmhor dhoibh? An àite a bhi ’nan culaidhean soirbheachaidh agus beartais do na dùthchannan ud, tha fios aig a h-uile h-aon nach ’eil iad ach mar chulaidh laigse agus mar fhàth cosdais neo-chrìochnach dhoibh uile. A rìs, ma is e “Ceannachd a tha a ghnàth a’ leantuinn na Brataich,” ciod a dh’fhaodar a ràdh mu’n chinnich ud aig nach robh aon chuid Bratach no Iompaireachd, anns na làithean a dh’aom, agus a bha tur ainmeil ’nan àm fhéin airson an cuid ceannachd? Mar so, bha Comh-Fhlaitheachd Venetzia, na h-Iudhaich, an luchd-reic a thàinig à Poenicia eadhon gu traighean Bhreatainn a’ chinn a deas, na ceannaichean o thraighean mu’n cuairt do Thuirich na Roinn Eòrpa, na Gréugaich, muinntir Thire is Shidon, agus marsantan a bhuineadh do iomadh dùthaich eile. Gu cinnteach, cha b’i a’ Bhratach idir a bha cumail taice ri Ceannachd anns na làithean ud, ni’s mò is fheudar dhith a bhith ’ga cumail suas air an làtha an diugh. Tréibhdhireas, dian-dheothas, ealantachd—is iad so na buaidhean a’s cumhachdaiche agus a’s feumaile gu dorus fhosgladh a nis a dh’ionn- [TD 335] suidh Ceannachd, ceart mar a bha iad làn comasach sin a dheanamh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad; agus neach air bith a tha beachd smaointeachadh air a’ chùis so rathad sam bith eile, cha’n e a mhàin gu’m bheil e ’ga mhealladh fhéin, ach a tha e ’na cheap-tuislidh do iomadh neach eile mar an ceudna. Tha taobh eile air ’a ghnòthach so; agus is se in gur ann mar sheòrsa de sheargadh-bheusachd a tha Armachd a’ tùirling oirnn, a bharrachd air dha bhi dunadh an rathaid a dh’ionnsuidh gach leasachaidh shochairich fheumail a th’ann, agus a’ caitheamh storais na dùthcha. An toiseach, co dhiù a tha Gaidheal na h-Alba a’ gabhail anns an Fheachd shuidhichte, no dol air ’aghaidh gu tasdan an Fheachd-dùthcha a chur anns a sporan, tha e gu tur soilleir gu’m bheil e mar sin air an rathad a’s feàrr gu cul-taic a chur ri Armachd. Is fior gu’m bheil mòran ag ràdh, nach ’eil e idir mar so; ach gur ann mar airson tir-ghràdhaiche a mhàin a tha e deanamh mar sin. Ach, ciod tha gràdh-dùthcha a’ caillachadh? A réir nam foclairean againn, tha gràdh-dùthcha a’ ciallachadh gràidh d’ar dùthaich fhéin. Cha’n ’eil e ciallachadh gràidh do dhùthchannan a bhuineas do mhuinntir eile. Is e Armachd a tha ’ciallachadh an nithe ud; agus ma bhitheas feum againn air comhdach air sin, gu dearbh cha’n fhaod sinn dol fad’ as ar rathad a los làn dearbhadh air sin fhaotainn. Ciod a thachair anns an dùthaich so againn an déigh do chogadh an Africa a chinn a deas a’ bhristeadh a mach? Air ball, dh’éigh na Sasunnaich le guth àrd gu’n robh an cuid Iompaireachd “an cunnart,” agus chaidh an sgeul brònach a sgaoileadh mu’n cuairt, agus air feadh garbh [TD 336] chriochan na Gàidhealtachd. Dh’fhalbh na Gàidheil ’nam badain agus ’nam milltean o shrath, o ghleann, agus o bhaile; agus, air iarrtas nan Sasunnach, thug iad Africa mu dheas orra, a los dol a chogadh an aghaidh nam Boereach. Agus, car son? De an diolas a rinn na Boereich riamh air Gàidheil na h-Alba? Agus, saor o sin, am bu chòir do Ghàidheil an dùthaich aca fhéin fhàgail, a dhol a mharbhadh nam Boereach, agus gus am fuadach a mach o’n fhearann aca fhéin; agus an Gàidheal e fhéin air a mharbhadh agus air ’fhuadach a mach o thir nam beann le nàimhdean ceudna iomadh bliadhna roimhe so? Chi sinn mar so, gu’m bheil Armachd ’na ni anabarrach cunnartach, baoghalach, agus neo-fheagarach air taobh nan Gàidheal, a chionn agus gu’m bheil e ’gan treorachadh gu h-ana-ceartas agus gu faoineachd nach beag. Nam b’e an t aon chuspair a tha aig Armachd an dùthach againn fhéin a dhion agus a chumail tearainnte o’n lamhan-san aig am bheil miann lamh-an-uachdar fhaotainn oirnn, faodar a ràdh gu’m biodh e ’na ni freagarach agus ceart gu leòir, ged a tha tur fior e na tha cuid ag ràdh gu’n robh tuilleadh is mò de chomstri agus de chogadh againn anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Ach, am bitheantas, cha’n ann mar so a tha a’ chùis a’ tuiteam a mach, mar tha làn fhios aig a na h-uile fear. Oir, air do chogadh a’ bristeadh a mach anns an dùthaich sin no anns an dùthaich ud, air ball, théid a chuid fuaim mu sgaoil air feadh na Gàidhealtachd; agus, am prioba na sula, is e “Clann nan Gàidheal an guaillibh a chéile!” thar a’ chuan an éigh a’s àirde a tha na Sasunnaich a’ togail a suas. Air ball, théid na Gàidheil fo ghéill dha agus ’nan sàs. Air àmaibh luaineach, tuairgneach mar sud, is gnàth [TD 337] leinn di-chuimhne a leigeil air ar n-Eachdraich-ne, agus air a h-uile ni a dh’fhulaing sinn, maille ris ar sinnsearan, aig làmhan nan Sasunnach anns na h-aimsirean a dh’aom; agus, air an iarrtas-san, is gnàth leinn dùthchannan thar a’ chuan nach buin duinn idir, agus as nach d’thàinig dochainn no call air bith riamh air Gàidheil na h-Alba a thogail oirnn, gus an saorsa a thoirt air falbh uapa, no iadsan a chur fo smachd agus fo chis do na Sasunnaich. Ach, air do’n chogadh a bhi seachad, agus cha b’abhaist sin a bhi gun mhòr chall do na Ghàidheil is fior bheag a tha sinn a’ cluinntinn mu dheidhinn ar cuid còirichean, ar uireasbhuidhean agus ar miannan, uapasan a bha ’gar brosnachadh gu cogadh an agaidh an nàimhdean an àm am feuma. An àite sin, is e a ghnàth dearmad agus di-meas a tha sinn a’ faotainn uapa. Is e an Times paipear-naigheachd a’s mò, a’s ainmeile agus a’s cumhachdaiche a tha ’tighinn a mach air an làtha an diugh an Lunainn, àrd-bhaile na h-Iompaireachd Shasunnaich; agus ciod e a tha an Times ag ràdh mu thimchioll ar canain agus laghanna an fhearainn? Nach b’e an Times a chuir a mach o chionn mìos no dhà paipeir garg, nàimhdeil, ladarna, agus gu tur aineolach mu dheimhinn ar cainnt? Agus nach b’e an Times a chuir air bonn a’ chomstri mu Bhille ùr nan Croitearan, agus a tha mairsinn gus an làtha an diugh, le sùil aige fhéin gus a’ Bhille mhaith, fhreagarach, fheumail sin a thilgeadh bun os cionn? Agus na tha an Times ag ràdh mu nithean so, nach saoil sibh nach ann mar sheòrsa de chreideamh chumanta a tha e leigeil air na Sasunnaich? Sgriob Ruisianach, agus air ball gheibh sibh a mach nach ’eil ann ach Tartarach. Tha sgriobhadair ainmeil ag ràdh: “the Englishman’s love of liberty, real and intense as [TD 338] regards his own, is but skin-deep where other races are concerned. He is ready enough to applaud the efforts of people struggling to be free under flags other than his own; but similar manifestations on the part of people subject to his own rule are wont to be treated with scant ceremony and respect.” Aon uair eile, na leigeamaid air di-chuimhne gur e uigheamachadh airson cogaidh a tha ’gar treòrachadh a dh’ionnsaidh chogaidh. Chuir sinn an céill a cheana na stéidhean sin leis an deachaidh stùireadh air nithean-rioghail ar dùthcha anns na làithean a dh’aom. “Keep it on those lines. Watch carefully every tendency towards militarism, for we know that preparation for war leads to war.” Ach is ann a tha e ’gar treòrachadh gu ni-eigin na’s miosa eadhon na sin. Tha e ’gar treòrachadh a dh’ionnsaidh bad nan Sasunnach. THA GAEL AND THE ENGLISH PARTY SYSTEM [Beurla] [TD 339-345] [Beurla] [TD 346] [Beurla] NA STIUBHARTAICH ANNS AN ROIMHE (1) CHO lionmhor agus suspainneach tha seallaidhean na Roimhe—nithean o shean, mheadhon-aois, agus eadhon ar làth-ne—’s gu’m bheil an luchd-siubhal Gàidhealach anabarrach ullamh gu bhi dichuimhneachadh duilleag phriseil de ’r n-eachdraidh a tha ceangailte ri “Baile Siorraidh na Roimhe”. Cha’n ’eil fios aig mòran de’n luchd-turuis a (1) The Last of the Royal Stuarts: Henry Stuart, Cardinal Duke of York. Le Herbert M. Vaughan. Methuen, London. [TD 347] théid do’n Roimhe gu’m bheil nithean a bhuineas do na Stiubhartaich innte, agus cha’n ’eil iad a’ gabhail suim gu’n robh iad riamh innte, ma dhaoite gu toir iad suil air a’ charragh bhreagha a thog Canova an Eaglais Naoimh Phadruig. Feudaidh e bhith gu’n robh cuid air an glacadh le iongnadh ann a bhith a’ seasamh mu choinneamh Eaglais Ban-naoimh Moire an Trastevere, agus ag amharc air suaicheantas rioghail Bhreatainn ’s na Frainge a tha’n crochadh fo dhealbh na croise, agus aid sgarlaid anns an t-seipeil a dh’athnuadhaich Cardineal York, a bha air son fichead bliadhna a’ riaghladh, fo ainm, na h-Eaglais so; ach is e beagan a ’sa tha eòlach air an t-seann lùchairt dhuirch Phiazza Santissimi Apostoli a bha ’na dachaidh airson còrr is leth-cheud-bliadhna aig na “Righrean thar an uisge,” no tha eòlach air toglaichean eile a tha toinnte suas ann an eachdraidh taigh mhi-fhortanaich nan Stiubhartach. Bha eadhon Voltaire fhéin anabarrach duilich airson a’ mhi-fhortain a dhluth lean an taigh so riamh. Tha ceann deas na sraide, fosgailte so—Piazza Santissimi Apostoli—ceangailte ris an t-sraid ùir dhriopail sin, Via Nazionale. Air an taobh-an-ear tha lùchairt bhreagha, agus Eaglais nan Abstol: air an taobh-an-iar, tha taighean breagha anns an bheil Romhanaich uasal a’ chomhnuidh. Aig ceann tuath an aite fhosgailte so, tha seann lùchairt nan Stiubhartach a’ seasamh. Tha an taigh so glé chumanta mar thogail, ach tha eachdraidh bhrònach air a ceangal ris. Is e ainm an taighe sin an diugh Palazzo Balestro, agus tha riochdair Righ Bhreatainn, a’ fuireach ann. Goirid an déigh cuir sios “Eirigh na Bliadhna 1715”—crioch mhi-fhortanach a dh’aobharaich an t-ochdamh Righ Seumas le a [TD 348] laigse, agus a mhi-chomas mar shaighdear—ràinig e an Roimhe, far an robh a bhean òg, Maria Clementina Sobieski, agus mòran luchd-leanmhuinn dileas à Eirinn agus à Alba, a’ feitheamh ris. Thug am Papa Clement urram rioghail da rireadh do’n fhogarach, agus chuir e failté air leth air, agus thug e dha an lùchairt bheag so faisg air Eaglais nan Naomh Abstol mar àite-comhnuidh freagarrach agus deiseil airson a theaghlaich agus a chuirtearan. Anns an dearbh thaigh so, bliadhna an déigh dha thighinn gus an Roimhe, rugadh dha leanabh òg, a tha aithnichte do na h-Albannaich mar Phrionnsa Tearlach. Thàinig na Cardinealan a ’choimhead air an naoidhean, agus phog iad uile a làmhan bideach; agus chuir am Papa tiodhlaicean dha ïonnsuidh; agus coig bliadhna an déigh so, rugadh Eanraig; agus thug ’athair Diùc York mar thiodal dha. Bha na nithean so uile air innseadh do’n Pharlamaid Shasunnaich le Ualton, fear-brathaidh mi-fhireannach. Anns an taigh so, cuideachd, chaochail Maria Clementina bhochd, ogha Iain Sobieski ainmeil, a theasairg An Roinn Eorpa bho na Turcaich fo; bhallachan Vienn. Bha i anabarrach mi-shona leis a’phòsadh a rinn i; agus bha a fear-pòsda cho mi-chaoimhneil rithe, ’s gu’n do theich i uaithe; agus fhuair i fasgadh anns a’ mhanachainn Ursulach faisg air Via Vittoria agus dh’fhuirich i an sin airson còrr is bliadhna. Ged nach do chuir e moran meas oirre, fhad agus bu bheo i, rinn Seumas Stiubhart bròn duilich air son a mhnà, agus cinnteach gu’n d’fhairich na prionnsachan òga (a ’bha a nis ’nam balaich mhòra) a’bhuille so gu goirt. Sgriobh President de Brosses eachdraidh thlachdmhor agus neonach an Lettres Fa- [TD 349] milières air Seumas Stiubhart, agus a dha chlann mhac, a tha nis gun mhathair:— “Tha Righ Bhreatuinn air a dheagh ghreidheadh an so, a réir a staid uasail. Tha e ’fuireach am Piazza SS. Apostoli an tigh mòr mi-dhreachmhor, far am bheil saighdearan a’ Phapa a’ cumail freiceadain, mar a tha iad a’ deanamh aig lùchairt a’ Phapa, agus tha iad a’ gabhail curaim dheth ’nuair a tha e marcachd a muigh. Is e an aobhar gu’m bheil an taigh aige cho mòr gu’m bheil moran dhaoine uasail à Breatuinn, a bha dileas dha ’na mhi-fhortanan, a’ fuireach comhla ris. Is e na fir is ainmeile dhiubh so Milord Dunbar, Albannach, agus Seumas Moiridh (cuigeamh mac a’ cheud Dhiùc Atholl, agus athair an treas Duìc) duine calma, tapaidh agus air a’ ghradhachadh gu mòr, ris an d’earb an Righ a chuid cloinne, ged a tha e ’na Phrostanach.” Tha De Brosses, mar an crudna, ag innseadh gur e Stiubhartach glan a bh’ann an Seumas anns na h-uile rathad, agus tha e anabarrach coltach ri ’athair Rìgh Seumas agus ris a bhrathair Diuc Bherwick. Tha e ro dhiadhaidh a’cur seachad moran d’ a chuid maduinnean an urnuigh aig uaigh a mhnà an Eaglais nan Abstol. Tha an t-eachdraiche Frangach so ag innseadh dhuinn gu’n robh an Diuc beag, a bha cuig bliadhna deug a dh’aois, anabarrach measail am measg nan Romhanach, mòran ni bu mheasaile na a bhrathair, agus sin air sgath a bhoicheid, agus cho modhail agus a bha e; ach b’fhearr le De Brosses fhéin am-fear a’s oige, oir chunnaic e gu’n robh ’sa ghille og so calmachd agus treubhantas rach bu bheag, agus gu’n robh seasmhachd ann nach robh cumanta—subhailcean a thàinig gu soilleir am fradharc beagan bhliadhnaichean an déigh so. [TD 350] Bha an dithis bhalach glé dhéigheil air ceòl, agus chluicheadh iad gu maith air innealan-ciùil:— “Cluichidh am fear a’s sine ro mhaith air an fhidhil: canaidh am balach a’s oige oranan Eadailteach an dòigh ro-thaitnich: tha iad ri comh-sheirm chiùil uair ’san t-seachduinn: cha’n ’eil ceòl ni’s boidhche, no ni’s ealanta, anns an Roimh, cha n’fhuirìnn as airson rud sam bith.” Dh’fhag De Brosses eachdraidh thiamhaidh is aighearach air an dol-a-mach a bh’aig Seumas aig a dhinneir. Thigeadh an righ a steach an greadhnachas, agus thuiteadh na balaich sios air an glùinibh, ’nuair a bha an athair a’ cantainn an altachaidh. Cha’n fheudadh aoidh sam bith boinne fiona ol gus an òladh Seumas féin a’ cheud chuach—ni nach do chòrd ris an fhear-shiubhal Fhrangach, gu h-araidh aon là ’nuair a dhi-chiumhnich an Righ an t-searrag fhiona a chur air a’ bhòrd. Aig na cuirmean sòlaimte, lathail, sin, tha De Brosses ag ràdh, gur h-e a’ Bheurla a bha Seumas a’ cleachdadh do chuid mac aig a’ bhòrd, ged a bha iad moran na b’eòlaiche air na cànainean Frangach agus Eadailteach. Bha baile na Roimhe aig an àm so luma-làn de luchd—turuis Sasunnach moran diùbh ’nam fleasguich òga is beartach—a’ gabhail cuairt na Roinn—Eorpa comhla ris an luchd-teasgaisg; agus bha iad sin gu nadurra déigheil air Seumas Stiubhart agus na prionnsachan òga fhaicinn. Ach cha robh e ceadaichte do na Sasunnaich a dhól a choimhead air an Lùchairt Stiùbhartaich—ordugh Sasunnach a bha air a sparradh gu curamach troimh na luchd-bhrathaidh a bha fo sheòladh a’ Mhinisteir Bhreatainnich am Florentzia. Cha robh fear-ionaid rioghail aig Breatainn an uair sin ni’s mò na tha aice an diugh an luchairt a’ Phapa. Gidheadh gu boile leis an luchd-brathaidh agus na sgainnealan a bha [TD 351] iad a’ giulain gu Sir Horace Mann ann am Florence, chaidh moran de na Breatuinnich a’ choimhead air an Righ Seumas—Righ dligheach Bhreatuinn air fogradh—agus air a chuid chlann-mac. Tri bliadhna an déigh Blàr Chul-fhodair dh’ fheumadh Prionnsa Tearlach a bhi air a thilgeadh a mach as an Fhraing a reir Cumha Aix-la-Chapelle, agus riamh o’n la fhuilteach sin, shin moralachd agus meas-cuirt Sheumais Stiubhairt air traghadh, agus b’ann air éiginn a’ bha e’ faighinn cothrom-fuirich anns a’ Roimhe. N’uair a chunnaic Eanraig a mhac a b’oige gu’n robh crun agus cùis nan Stiubhartach air an call, agus sin gu siorruidh; ghabh e dreuchd ’san Eaglais le aonta ’athair; agus fhuair e gu bhith na Chardineal air ball, ged nach robh e ach dà-bhliadhna thar-fhichead a dh’aois. Chuir an ceum so leithid a’ chomh-olc air Prionnsa Tearlach nach do thill e dh’ionnsuidh na Roimhe gus an do chaochail ’athair; ach bha e falbh thall ’sa bhos feadh bhailtean na Roinn Eorpa ’na thruaghan bochd uireasbhach. Is e duine dubhach a bh’ann Seumas gu nàdurra,agus a nis, bha dubhachas da rireadh air n’uair a chunnaic e gu’n do thuit a’ dhochasan arda gu léir air an làr. Agus bha fios aige nach fhaiceadh e a mhac Tearlach gu bràth tuille. Chraidh so uile cridhe an seann fhogaraich thruasaich, agus lion cuid is cuid dh’fhalbh a’ shlainte agus ré na cuig bliadhna mu dheireadh dhe bheatha, cha d’fhàg e a’ sheomraichean. Mu dheireadh, air là na Bliadhna Uire (1766) bhuail tinneas a’bhais e, agus chaochail e an lamhan Chardineil York, a bha frithealadh air gu caomh araon mar shagart agus mar mhac, anns na bladhnaichean duilich so. Bha am Papa glé bhrònach an uair a chual e gu’n do shiubhail e; cha tric a bha neach rioghail, ma dh’fhagas sinn Comte de Chambord a mach, cho [TD 352] dileas agus cho diadhaidh anns an Eaglais Chatholaich sa bha an rìgh mi-fhortunach so. Fhuair Seumas bochd tiodhlaiceadh anabarrach briagha air cosg a’ Phapa. Tha eachdraidh mhionaideach an torraidh so an leabhran beaga ris an canar Eachdraidh Tinneis Bàis, Dleasdanasan Solaimte, Agus an Tiodhlacaidh a’ Mhorachd Seumas Righ Bhreatuinn. Anns an leabhar sin, tha sinn a’ faicinn gu’n do laidh corp Sheumais an greadhnachas ann an Eaglais nan Abstol, far am b’abhaist dha gu lathail a bhi frithealadh aig an Aifrionn, agus a’ bhi ri urnuigh làimh ri uaigh a mhnà. Bha an taigh am muigh agus a stigh air a chuibhreach le aodach dubh, agus iomad ni eile a tha ceangailte ri àm dubhach a’ bhais. Bha tiodhlacadh an Righ Seumas cho cosgail, cho dubhach, agus cho greadhnachail sa b’urrain tiodhlacadh rioghail a bhi. Ged a bha na h-uile h-urram air a nochdadh do Sheumas, ’na bheatha agus na bhàs, gidheadh, cha robh am Papa Benedict a’ sealltainn air Tearlach a mhac le tlachd. Bha da bhliadna air fhichead ann a nis o nach robh e san Roimhe, agus bha cuirt a’ Phapa a’ sealltainn air mar duine nach b’ fhiù, ’na dhrongair do-leasaichte, agus mar fhear a thréig creideamh na h-Eaglaise anns an robh ’athair cho iomraiteach. Thug am Papa air falbh Suaicheantas Bhreatuinn agus Eirinn a bha’n crochadh aig dorus Luchairt Nan Stiubhartach, agus dhiult e ’bhi gabhail ris mar Righ agus cha’n fhaigheadh e cead bruidhne ris a’ Phapa. Chuir so comh-olc anabarrach air Tearlach truagh, agus cha b’urrainn a’ bhrathair ghasda am bearn so a dheanamh suas, agus cha ghabhadh e a chomhairle, agus thuit e na, b’isle agus na b’isle agus is e na sgaomairean ba shuaraiche a bh’anns an Roimhe a bha ’cumail cuidheachd ris. Aig an àm so a’ thainig teachdair [TD 353] rioghail suidhichte as an Fhraing a’ choimhead air an truaghan (a bha ’na chreach aig an deoch-làidir) a bha aon uair aimneil mar “Prionnsa Tearlach Boidheach”. Bha an duine uasal so an duil gu’n toireadh e air Prionnsa Tearlach pòsadh a los agus nach rachadh as do na Stiubhartaich. Bha Tearlach anabarrach toileach so a dheanamh, ged a bha e nis leth cheud bliadhna ’s a h-aon a dh’aois Chaidh e os làimh gu Paris far an robh na cumhnantan-pòsaidh air an suidheachadh air a shon eadar e-féin agus caileag òg, Louise à Stolberg, nighean Prionnsa Ghearmailtich, agus bhuineadh i air taobh a mathar do thaigh uasal Albannach ’Bhruis. Is e an cuigeamh deug Louis a shuidhich am posadh so, le sùil—nam biodh oighre ann—gu’n cuireadh e ’fhathast dragh air righ Shasuinn. Ghabh an Cardineal York ris a’ phòsadh, a ghabh àite aig Macerata, faisg air Ancona, air Dihaoine na Ceusda, 1772. Agus am beagan làthaithean an déigh so, ràinig Tearlach agus a bhean òg—’gan sloinneadh fhéin mar Rìgh agus Bhan-rìgh Bhreatuinn, Eirinn, agus na Frainge,—an Roimhe ann an carbad ro-bhriagha air a tharraing le sea eich. Cha d’fhuair iad ach di-bheathtachas fuar o’n a’ Phapa Pio an seathamh. Bha a’ chàraid òg sona gu léoir air son greis, agus bha a’ chairdean am beachd gu’n robh Prionnsa Tearlach gu bhi ’na dhuine eile anns na h-uile rathad, agus bha a’ bhean òg, mhaiseach, anabarrach measail am measg uaislean na Roimhe; agus thug iad mar ainm oirre “Ban-Righ nan Abstol” o’n aite san robh i ’fuireach. Ach an ceann dà bhliadhna, ghabh Iarla agus Ban-iarla na h-Alba (na tiodalan a bh’aca an taobh muigh da’n cairdean fhéin) gràin do’n Phapa le cho mi-ghasda sa bha e ’dhoibh, dh’fhàs an dithisd sgith is mi-thoilichte lèo [TD 354] fhéin an uair a chunnaic iad nach robh oighre gu bhi ann—an t-aon aobhar air son an do phòs iad; agus mar sin dh’fhag iad an Roimhe anns a’bhliadhna 1774, agus chaidh iad gu Florentzia, ach bha iad fo dhi-mheas agus fo thàir, agus sin cuideachd bho’n teaghlaich Rioghail Thuscain Mu dheireadh, dh’fhàs am beatha cho mi-shona agus gu’n do dhealaich iad ri-cheile sa bhliadhna 1780. Bha an Cardineal York a’fuireach ’sa Roimhe riamh, agus ged a’ thàinig a leithid a’ thubaistean agus mhi-fhortanan air a thaigh, bha e ro mheasail san Roimhe. Bha Eanraig ’na Easbuig air Frascati, far am biodh e’ fuireach gu math tric, agus, o’n a bha e na fhear-ionaid aig a’ Phapa, bhiodh e mar bu tric ’na lùchairt àluinn, an Cancelleria ’sa Roimhe, an taigh a’s briagha a thog am fear-deilbh thaighean ainmeil, Bramante, riamh. Bha Eanruig ’na Romhanach a réir breith’ agus ’na shagart Romhanach a réir dreuchd, agus bha e’ tighinn beò mar phrionnsa na h-Eaglaise, agus cha do ghabh e gnòthuch riamh ri cùisean caillte nan Stiubhartach. Mar sin, bha an Cardineal math fo trioblaid an uair a chuala e gu’m b’éiginn do Bhàn-iarla na h-Alba teicheadh gus an Roimhe o’ fhoirneart is an-iochd Thearlaich, air dha a bhi fo’n mhisg. Fhuair i fasgadh anns a’ Mhanachainn Ursulaich, an dearbh àite san d’fhuair mathair Thearlaich fasgadh roimhe. O’n a bha fios aig Eanraig Stiubhart cho miosa agus a bha a bhrathair agus cho an-iochdmhor ’sa bha e d’a mhnaoi, thug e-féin a staigh i, agus thug e seomraichean briagha dhi anns a’ Chancelleria, agus dh’ fheuch e dhi na h-uile caoimheas. An uair a bha i ’fuireach an so, shin Vittorio Alfieri am bàrd ainmeil à Piedmont, seann suireach a bha aice, a’ thighinn a choimhead oirre a h-uile latha, agus chaidh so air [TD 355] aghart airson gréis, agus cha do smuainich an Cardineal gu’n robh dad dochair san dol-a-mach a bha aca. Ghabh am bàrd taigh ro-bhriagha air mal gus am biodh e ni’s fhaisge air a leannan, Louise à Stolberg Dh’fhuirich i dà bhliadna anns A. Chancelleria, agus tha e air a ràdh gur e so na bliadnaichean bu shona a bha riamh aice; oir bha i cho mi-shona cho fada sa bha i comhla ri Tearlach Stiubhart. Bha na h-uaislean Romhanach cho caoimheil rithe: bha i air cùram an duine chaoimh, ghasda, sin—Eanraig, agus cha d’rachadh i gu àite no gu cuirm sam bith gun Vittorio Alfieri, a fear-graidh ainmeil a bhi air a gairdean. Bha i gu tur sona a nis, ach cha b’fhad a mhair an sonas so. Ràinig e airde ’nuair a chluich Vittorio Alfieri anns a’ bhron-chluiche cliuiteach sin Antigone aig lùchairt fear-ionaid na Spainne anns an Piazza di Spagna an deireadh na bliadhna 1782. Ach thàinig crioch aithghearr air a’ ghràdh iongantach a bha eadar bean Righ na h-Alba agus Iarla neonach Phiedmont—gaol a bha tarruing aire na Roimhe uile. Is ann mar so a thachair e, Chaidh Eanruig a’ choimhead air a bhrathair o’n a chual e gu’n robh e ri h-uchd bàis. An’ uair a chunnaic an Cardineal na sgeulachdan feallsa a’ dh’fheudadh éiridh, agus na cunnartan a bha, ma dh’fhaoidte, toinnte ann an dol-a-mach A. Vittorio is Luisaidh, thug e air a’ Phapa Pio, am bàrd a thilgeadh a mach as an dùthaich agus thainig air sgriobhadair gradhach a’ bhron-chluiche, an Roimhe agus a leannan, Psipsia (an t-ainm a bha aige-san oirre) ’fhagail air ball. Dh’fhuirich ise anns a’ Chancelleria a’ caoidh agus a’ gul air son fir a graidh, agus is cinnteach gu’n robh i duilich nach do chaochail Prionnsa Tearlach; ach beagan an [TD 356] déigh so, fhuair i litir-dhealachaidh bho a fear. An uiread so mu dheighinn an dà thuras a dh’fhuirich Liusaidh à Stolberg anns an Roimhe—a’ cheud turas mar bhean Righ gun chrùn; agus an dàra turas mar leannan a’ bhaird ainmeil, a phòs i beagan ùine an déigh so. An uair a chaochail Tearlach bochd ’san Fhaoiltich 1788 (mios a bha anabarrach mi-fhabharach is mi-fhortanach do na Stiubhartaich) thuit tiodalan falamh agus còirichean mi-fheumail air Cardineal York; ach cha do ghabh e suim sam bith dhiubh. Thog e clach-chuimhne d’a bhrathair mi-shona, anns an eaglais aig Fraseati, agus chuir e mach cùinneadh-cuimhneachain leis an sgriobhadh dhuilich so air—“An Naoitheamh Eanraig tre ghràs Dé ’s cha b’ann tre thoil duine”. Is e duine ionraic a bha an Eanraig ach cha d’thug luchd-eachdraidh fathast an t-aite dligheach a bhuineas da. Mu dheireadh thàinig aimsirean trioblaideach air an Roimhe, agus b’éiginn do’n t-seann duine am baile, a ghradhaich e cho mòr, fhagail agus fhuair, e e féin ’na dhuine bochd, gun sgillinn, agus sin aig aois tri bliadhna diag is tri fichead. Ach cha b’e a choire fhéin a bha so; bha e ro chòir an uair a bha am pailteas aige. Thug Righ Seoras ceithir mile punnd Sasunnach dha sa bhliadhna; agus bha e anabarrach taingeil airson a’ chaoimhneas so, leis am b’urrainn da na beagan bhliadnachan, troimh an robh aige ri dhol, a chur seachad an sìth agus an comh-fhurtachd, agus mar so an crochadh air a’ mhuinntir a chuir a theaghlach agus e fhéin as àite. Chaochail an t-oighre dligheach deireannach de thaigh nan Stiubhartach aig Fraseati anns am bliadhna 1807. Na h-uiread so mu dheighinn nan Stiubhartach [TD 357] ’san Roimhe. A nis, rachamaid a choimhead air carragh bhreagha a thog Canova aig balla mu thuath Eaglais Naoimh Pheadair fagus do dhorus Capella de Loro far am bi mòran sluaigh a h-uile là a’ domh-lachadh a dh’eisdeachd seinn coisir-chiùil a’ Phapa. Air a’ chloich bhreagh so (a bha air a togail an 1819 aig cosg Righ Seoras) is e an athair a bha air ainmeachadh mar Righ, ged tha luchd-eachdraidh gu cli a’ cantuinn gu’m bheil Tearlach Iomhair is Eanraig air an ainmeachadh mar righrean cuideachd anns a’ chuimhne sgriobhaidh. Ach tha na tri tiodalan, an Treas Rìgh Seumas, an Treas Rìgh Tearlach, agus an Naoitheamh Rìgh, sgriobte air tri soithichean beaga a tha air an gleidheadh an uamh an Eaglais Naoimh Pheadair; ach is e uair ainneamh a chi neach sam bith iad. Tha e glé ghasda ’fuireach an so car tiota anns an adhair làn tùise, a dh’eisdeachd na seinn bhreagha agus a ’beachd-smuaineacheadh air tharraing phearsanta a’ mhi-fhortain agus mi-chomasan nam prionnsachan Stiubhartach, agus air gradh eagsamhuil an luchd-leanmhuinn dileas, a dhluth-lean na cuisean mi-fhortanach aca. Feumaidh sinn a dhol a shealltainn air uaigh Màiri Clementina bochd, ’tha beagan shlatan bho uaighibh a fir, agus a cuid mac. Is e uaigh bhreagha a tha so mar an ceudna. Is e dealbh na Ban-rìgh a th’air a’ charragh. ’Se Bracchi a dhealbh a’ chlach-chuimhne so aig cosg a’ Phapa. Agus bho so thog Lady Mary Wortley Montagu droch-sgeul mòran bhliadhnachan an déigh sin air a’ Phapa agus bean an treas Righ Seumas. O Mhairi Chlementina Stiubhairt bhochd! Bha i gun teagamh grad sa’ nàdur, ach cha do laidh sgainneal riamh air a h-ainm gus an d’thug am boirionnach uasal so gu solus rùn-diomhair eigin a dh’fhag a beatha cho mi-shona agus cho truagh. [TD 358] PRINCIPLES AND POLITICS A NOTE OF PROTEST AND WARNING [Beurla] [TD 359-360] [Beurla] [TD 361] LÒCHRAN AN ANMA (1) Is minic a tha Goill, agus Sasunnaich a’ tilgeadh oirnne nach ’eil “Litreachas,” mar a their iad, againn an Gàidhlig. Ged nach ’eil so fior, tha rud-eigin de’n fhirinn anns a’ chùis-dhitidh. Ach, tha daoine gasda ’fiachainn ris a’ chulaidh-nàire so a leasachadh a h-uile làtha. Thàinig dusgadh mòr air a’ Ghàidhealtachd, agus gu sònruichte air Eirinn o chionn car bhliadhnachan anns an t-seadh so; air chor agus gu’m bheil “Ath-breith” na Gàidhlig iomraideach air feadh an t-saoghail gu léir. Cha’n fhaodar a ràdh t-uile nach ’eil cùis nan Gàidheal ainmeil anns gach cainnt a tha fo’n ghréin. Tha a’ Gàidhlig a nis ga h-ionnsachadh an sgoiltean na dùthcha. Tha duaisean briagha ’gan tairgse airson sgoilearachd. Tha “Oifig an Fhogluim” an Lunainn ag aidmheil na Gàidhlig, mar chànainean eile na Roinn Eòrpa. Agus, anns a chùis so, tha an Oifig cheudna a’ brosnachadh sgoilearan, agus a’ toirt cliù mhòir do dh’ Fhaclair an Athar Eoghan Mac Eachainn, gur h-e leabhar is fheàrr is urrainn dhaibh a chleachadh gu eòlas pongail fhaotainn air cainnt nam beann nan gleann agus nan gaisgeach. Cha ’n ’eil fuath agam do’n Bheurla, oir is beag a tha i am beul gach duine, ach o’n is taitneiche leam a’ Ghàidhlig i bhi fàr gun dol an lughad, tha mi an diugh a’ toirt brath gu’m bheil leabhar ùr air a chuir a mach le Sands sa Chuideachd an Dùneidean; agus is e so Lòchran an Anma. So agad, a Mhic chridhe! leabhar-ùrnaigh cho (1) Lòchran an Anma, Leabhar-ùrnaigh Caitliceach. Sands sa Chuidheachd, 21 Sràid Anobhair, Dùneideann, 1906. [TD 362] grinn agus a chaidh a chuir a mach riamh airson Caitliceaich Ghàidhealach na h-Alba. Agus bha, gu dearbh, feum mòr air a’ chlò-bhualadh so. Cha’n fhaigheadh an Albainn o chionn dòrlach bhliadhnachan leabhar-ùrnaigh Caitliceach airson airgid no òir. Bha e mar fhiachaibh air cuid de’n Chléir fios a chur a nun do Chanada airson leabhaireachan-ùrnaigh Caitliceach. Mo nàire ort a Mhathair! Eaglais Ghàidhealach Chaitliceach na h-Alba ’nuair a dh’fheum thu cobhair fhaotainn o Eaglais Ghàidhealach Chaitliceach Chanada! Bha gainne mhòr air an dùthaich anns an t-seòl so. Anns gach aite san racainn, is i a’ chiad cheist a churadh orm, “Caite am faigh mi leabhar-ùrnaigh Gàidhlig?” Chaidh so a leasachadh a nis, agus is math an airidh esan a chuir a mach an leabhar so air taing agus buidheachas nan creideach gu léir, air feadh na Gàidhealtachd. Cha’n ’eil air an leabhar ach aon choire: is e sin, a lughad ’s h-ann dheth. Ach, tha a’ phris a réir so. Cha’n ’eil e ach Sia sgillinn. Agus, mar a thuairt seann duine riumsa an là-roimhe, “cha b’fheàrr a nasgaidh e!” Cliù agus moladh dhasan, mata, a chuir a làmh ris an obair so, a tha cho làn toillteanas; agus mur a faigh e duas a bhos airson a shaothair, gheibh e thall e. Cha’n urrainn dhasan a ràdh, mar bu chòir do dh’fheadhainn eile. “Dh’fhàg sinn gun deanadh na nithe sin a bu choir dhuinn a dheanamh. Agus rinn sinn na nithe sin nach bu chòir dhuinn a dheanamh; agus cha’n ’eil slàinte annainn.” Buaidh agus piseach air, mata; agus gu’m bu fada beo e, agus ceò as a thaigh! Tha mi an earbsa gu’m bith soirbheachadh air an leabhar, agus gu’m bith clò-bhualadh eile agus eile air a ghairm ann [TD 363] an ùine ghoirid. Faodaidh mi a ràdh, san dol seachad, gu’m bheil an duin-uasal ceudna, fìor Charaid nan Gàidheal, trang a chur an òrdugh clò-bhualadh eile ris an cannar An Cath Spioradail a chaidh a chur gu Gàidhlig leis an Athair Eoghan Mac Eachainn nach maireann. Prosit proficiatque!! GILLEASPUIG MAC DHÒMHNUILL MHIC EOGHAIN. FAITH AND LANGUAGE [Beurla] [TD 364-372] [Beurla] [TD 373] BOGADH NAN GAD THA ri fhaicinn aig an àm so agus air feadh an t-saoghail gu léir gluasad mòr, a thachair oirnn an lorg a’ chogaidh a chaidh a chur o chionn beagan ùine eadar Ruisia agus Iapan. Gu h-àraid, tha so gu tur soilleir a thaobh nan cinneach a tha ’gabhail còmhnaidh san Aird-an-ear. Faodar a ràdh nach robh iad ach mar luchd-aisling, bàite gu buileach an suain a’ bhais, mar gu’m b’eadh, fad mòran bhliadhnaichean. Ach, an déigh do na chath a bhi thairis, chaidh an cuid aisling mu sgaoil, agus dhùisg iad a suas a ris. Chaidh, mar an ceudna mòran smuaintean briagach aosmhor a bha aca mu sgaoil; agus dh’ionnsaich muinntir na h-Aird-an-ear nach ’eil luchd-àiteachaidh na Roinn Eòrpa cho làidir agus cho tapaidh agus a bha iad deonach gu bhi “air paipeir,” mar a their na Sasunnaich. Tha a’ bhuil sin orra. Is iomadh dùthaich an Asia a tha a nis fo bhruaillean mòr, agus mu’m bheil e freagarrach is comasach a ràdh, nach ’eil i umhal agus iosal ’na sùilibh féin ni’s mò. An India, an Sina, agus eadhon anns an Eiphit, chi sinn gu’m bheil an luchd-còmhnaidh a’ togail an guth, agus a’ feòraich d’a chéile carson nach biodh an stiùireadh air an gnòthaichean fein ’nan làmhan féin? “Is léir dhuinn (their iad), nach ’eil muinntir na Roinn Eòrpa cho làidir agus a tha iad cho ro dhéidheil gu bhi an sùilibh fein agus an sùilibh an t-saoghail gu léir. Thug na h-Iapanaich buaidh gu buileach air na Ruisianaich—rud nach bu choir, agus nach b’urrainn dhoibh a dheanamh, a réir beachd mòran sluaigh. Agus ma is ann mar sin a tha e, car son nach biodh e comasach dhuinn ar saorsa féin fhaotainn an ùine ghoirid. Feuchaidh sinn ris, co dhiù.” [TD 374] Gu h-araid an India agus anns an Eiphit, tha luchd-muinntir nan dùthchannan ud a’ feuchainn ri bogadh nan gad. Tha na paipearan-naigheachd làn de sgeulan tuirseach mu’n fhear so no mu’n té ud ris nach gabhadh na Sasunnaich (a réir coltais) air sgath an cànain “cheannairceich”. O chionn beagan ùine, chaidh Mòr-Roinn Bhengall air a roinn aig iarrtas Ard-Rìaghladh na dùthcha, agus chuir so déisinn nach bu bheag air mòran sluaigh air feadh India, ged nach robh e ’na chulaidh diomb do na h-uile h-aon. Coma co dhiù, air ball ghabh luchdgearain na dùthcha làn greim air, ionnus agus gu’m bheil e a nis ro dhuilich a ràdh cait’ am bi crìoch air an gnòthach mhi-fhortanach sin. Ach tha e soilleir nach ’eil so uile—na tubaistean an India agus an an-shocair anns an Eiphit—ach mar chomharraidhean a thinnis mhòir sin a bhuail rìaghladh nan Sasunnach a cheana anns na dùthchannan ud, agus a tha dol ’ga bhualadh gu làr. Thuirt duine ainmeil, Gearmailteach, o chionn beagan ùine, agus esan a’ cur an céill nan smuaintean a bha aige mu’n chùis so, gu’n robh riaghladh nan Sasunnach an India agus anns an Eiphit a dol a dhìth, a chionn agus nach robh “cumhachd rìaghlaidh” aca ni ’s mò. Thuirt an duine ceudna gu’n tig saorsa air muinntir Asia agus Africa mu’n téid sgrìos gu buileach air an Iompaireachd sin mu’m bheil e air a ràdh nach ’eil a’ ghrian idir dol fodha air. Their an t-Ollamh, “tha mi làn chinnteach gu’m bi e mòran ni’s duilghe do Shasunn, do’n Fhraing, agus do Ruisia an cumhachd a tha aca an Asia a chumail suas anns na bliadhnaichean a tha ri teachd, na tha e a nis, do bhrìgh agus gu’m bheil na cinnich ud fo bhrosnachadh agus an-shocair mhòir an lorg na buaidhe a thug na h-Iapanaich air Ruisia. Tha na Sasunnaich a’ deanamh fochaid air Benarjee, agus [TD 375] owa-san leis an deachaidh a chrùnadh o chionn ghoirid mar “Rìgh Bhengal”; ach is e mo bheachdsa gu’m bi fìor Rìgh dùthchasach air India an taobh a staigh àl no dhà.” A thaobh Africa, tha an t-Ollamh cinnteach gu’m bi caochlaidhean mòra ann an ùine ghoirid. “Sluigidh Comh-Islamachd a suas Africa mu thuath, à Timbuctoo san àird-an-ear eadhon gus an Sudan anns an àird-an-iar. Gheibh na cinnich dhubha an saorsa féin as làmhan nan cinneach geala; agus an Africa a chinn a deas, gheibh na Boerich làmh-an-uachdar air na Sasunnaich.” A thaobh America, tha an t-Ollamh am beachd gu’m bi na Anglo-Saxons air an slugadh suas le cinneach eile; agus, a deir esan, “théid mu sgaol an aonachd a tha aice a nis, agus tarraingear America gu dorus gnòthaichean Stàideil na Roinn Eòrpa.” A thaobh na Roinn Eòrpa féin, faodar a ràdh nach ’eil an t-Ollamh cho cinnteach agus a tha e mu stéidhean eile. Gidheadh, tha e am beachd gu’n d’thig caochlaidhean mòra air an Tuirc an ceann beagan bhliadhnaichean, agus nach gabh sin àite gun chomhstri agus gun sgrios ro mhòr. “Tha mi làn chinnteach (deir an t-Ollamh Schiemann), gu’m faigh Féin-Dùthasachd ceannas air feadh na Roinn Eòrpa ùir, agus gu’m bheil sinn dol a dh’fhaicinn ath-bhréith mhòr de ghnòthaichean dùthasach air feadh an t-saoghail gu léir. A réir an Ollaimh so, is e dìth air “cumhachd riaghlaidh” a bhitheas aig bonn nan caochlaidhean mòra so; ach, ’nar beachd-ne, cha’n ann idir mar sin a tha e, no a bhitheas. Is e ar barail féin gu’m bi a’ chùis mar so co dhiù a tha an “cumhachd rìaghlaidh” aig muinntir na Roinn Eòrpa no nach bi. Is e sin ri ràdh, cha’n ’eil sinn a’ sealltainn air na [TD 376] cinnich ud mar luchd-eisimeil do mhuinntir na Roinn Eòrpa a mhàin, ach mar chinnich air leth, aig a’ bheil dòchas is miannan nach b’urrainn a bhith air an deanamh réidh ris na tha luchd-muinntir na Roinn Eòrpa a’ toirt orra mar ghléidheadh nan gad. Cha’n ’eil sinn a’ creidsinn gu’m bi na cinnich so—luchd-muinntir Asia is Africa, agus dhùthchannan eile—daonnan fo smachd dhiubhsan leis an deachaidh an ceannsachadh anns na làithean a dh’aom. Tha iad air an cinneadh suas. Dh’ ionnsaich iad mòran nithean o’n a chaidh an ceannsachadh o shean. Am bitheantas, fhuair mòran diubh àrach anns na colaisdean a’s feàrr a tha an Roinn Eòrpa air fad; agus air dhoibh pilltinn air an n-ais do dh’Asia, is tric a tha iad a’ deanamh stri le chéile a los bogadh nan gad. Chuir iad an cinn am beul an leòghainn; agus, o’n is daoine tapaidh faicilleach iad, is léir dhoibh nach ’eil an t-uile-bheist sin cho eagalach agus a bu choir dha ma tha sinn ’toirt fainear ris na tha do ghnàth tighinn a mach uaith. Mar so, is furasda a thuigsinn nach ’eil a’ chuid a’s mò d’ar n-aoidhean gu tur toilichte ris na tha iad a’ faicinn agus a’ cluinntinn anns an dùthaich so agus air tir-mhor na Roinn Eòrpa. Chi iad an dùthaich féin air a riaghladh le daoine eadar fhéin-chuimseach agus aineolach; agus tha sin a’ cur diomb nach beag orra. Feòrachaidh iad d’a chéile, “car son nach biodh riaghladh ar dùthcha féin ’nar làmhan féin? An t-aon Dia a thug seachad an dùthaich sin dhoibh-san a tha ’ga sealbhachadh, is Esan an Ti a bhuilich oirnn an dùthaich a tha againn, mar an ceudna. Car son, mata, mach biodh làn shealbh againn oirre? Tamall beag agus bha sinn mar leanabanan laga, reasgach, gun chòrdadh sam bith eadarainn féin, agus tur aineolach; ach, a nis, dh’ionnsaich sinn mòran nithean. Cha’n ’eil sinn mar chinneadh [TD 377] borba ceannlaidir, ni’s mò. Thug sin an Roinn Eòrpa oirnn, agus fhuair sinn ar n-àrach anns na colaisdean a’s feàrr a tha air aghaidh an t-saoghail. Deanaibh ruinn, mata, mar a dh’ionnsaich sibh dhuinn, gu’m bu choir gu’n deanadh sinn do gach neach eile, agus thoiribh ar dùthaich air a h-ais, oir gabhaibh toradh bhur deanadais.” Gu dearbh, cha’n e dith cumhachd, ach foghluim, a tha bogadh nan gad air feadh an t-saoghail gu léir. AT THE BACK OF THE WIND [Beurla] [TD 378-390] [Beurla] [TD 391] LITRICHEAN [AIR do luchd-seilbhe Guth na Bliadhna dòrlach Lòchran an Anma a chur a dh’ionnsaidh luchd-bruidhinn na Gàidhig an Colaisde Caitliceach a’ Bhlàir, faisg air Abaraidheann, fhuair iad an litir a leanas a chaidh a sgrìobhadh le h-aon de na sgoilearan a th’ann.] Tha sinne, luchd-labhairt na Gàidhlig anns a’ Cholaisde so, ro dhéidheil air taing a thoirt dhuibh air son an Leabhar sin, Lòchran an Anma, a bha sibh cho caomhneil agus a chur d’ar n-ionnsuidh. Tha sinn ’ga fhaicinn glé mhath dhuibh, agus tha e soilleir ri fhaicinn gu’m bheil sibh a dol gu mòran dragh air son a’ Ghàidhlig a chumail suas; agus tha e ’leigeil ris dhuinn, cuideachd, cho deònach agus a tha sibh air a’ Chreideamh Chaitliceach a sgaoileadh. Tha a’ Ghaidhlig ni’s làidire ann a so a nis na bha i fo chionn bliadhna no dhà air ais. Théid aig deichnear againn air a bruidhinn, agus tha coig eile ann a tha ’ga ionnsachadh. Tha an leabhar so ’na thaitneas mòr do na h-uile h-aon againn, gu sònruichte do’n fheadhainn a chaidh ainmeachadh mu dheireadh. Tha sinn a rìs a’toirt tainge dhuibh, agus a’ cur romhainn gu’n ùisinnich sinn e gach latha, gun an t-ainm a chuir d’ar n-ionnsuidh e a dhi-chuimhnicheadh. Is sinne, le’r cead, AN LUCHD-LABHAIRT GÀIDHLIG. [TD 392] GAELIC HISTORY [Beurla] [TD 393] [Beurla] [TD 394] [Beurla] NA H-ALBANNAICH AN CANADA ANNS an eachdraidh ghasda a thug sibh dhuinn air Na h-Albannaich an Canada, tha ni no dhà cearr a dh’amaiseas mi, le’r cead, a’ cheartachadh. Air taobh-duilleag 247, tha an sgriobhadair ag ràdh gu’n d’ardaicheadh Alasdair Mac Coinnich, fear-rannsachaidh Airde-Tuath Chanada, leis an tiodal Iarla Shelkirk. Cha d’fhuair Mac Coinnich gu inbhe Iarla, ach gu inbhe Ridire. Air an làimh eile, bhuinneadh Iarla Shelkirk do thaigh uasal nan [TD 395] Dughlasach, an siorramachd Kirkcudbright. B’e an coigeamh Iarla de’n ainm a tha cho dlucheangailte ri Canada. Threòraich e mòran Ghàidheil gu Eilean Prionnsa Eideird, gu Cille-dhonain (aig Winnepeg) agus gu caochladh àite eile an Ontario, gu sònraichte Bal-an-duinn ri taobh Locha Erie. Rugadh Iarla Shelkirk so, anns a’ bhliadhna 1774, agus chaochail e ’sa bhliadhna 1820 an déigh beatha saothrachaill, anns nach deachaidh cùisean leis mar bu mhath leinn. Chriochnaich Mac Coinnich a shaothair ’san Airde-an-Iar-Thuath mu’n deachaidh Sime Friseal am mach a’ rannsachadh nan tirean iomallach sud, agus mar sin, cha b’ ann “sios Abhainn an Fhriosailich” a chaidh Mac Coinnich, air a thurus iomraiteach, ach suas aon de mheur uachdrach na h-aibhne sin, ’sa mach o sin thar na beanntaibh mòra gu ruig a’ chuan. Tha mi ’cur làn aonta ris na tha an sgriobadair ag ràdh mu shàr-obair na h-Albannaich an Canada. A. F. “CLO-CHLAR CAITLICEACH NA H-ALBA” LE’R CEAD, Leig leinn, tha sinn a’ guidhe oirbh, focal no dhà a ràdh mu’n Chlò-chlar so, a chaidh air bonn a los leabhraichean Chaitliceach a chur a mach airson Gàidheil na h-Alba. Is e An Cath Spioradail, a chaidh a sgrìobhadh le Lorentzo Scupoli, agus a chaidh eadar-theangachadh leis an Athair Mac Eachainn nach maireann, a’ chiad leabhar a chuireas sinn a mach; agus ma théid soirbheachadh leinn, tha sinn a’ cur romhainn leabhraichean Caitliceach eile a chur a mach o àm gu h-àm. Chaidh An Cath Spioradail a chur a [TD 396] mach am baile Pheairt anns a’ bhliadhna 1835; ach tha e anabarrach duilich an leabhar sin fhaotainn aig an latha an duigh. Sgrìobh an t-Athair Mac Eachainn mu’n leabhar so, anns an Roimh-radh a chuir e r’a chéile, mar a leanas. “Is ionann an leabhar so agus sgàthan anns am faicear caithe-beatha naomh air a cur a mach ’na riochd dealbhach fhéin mar tha i anns an t-Soisgeul. Tha an leabhar so a’ fiachainn an seòl sònruichte mar is còir dhuinn sinn fhéin umhlachadh agus a chlaoidh. Tha e ’gar cur air rathad dìreach agus cinnteach anns am faod sinn gluasad gu Rìoghachd Fhlathanais air ceuman na naomhachd a’s àirde. Ma shaoileas daoine saoghalta, a tha bàite an ùpraid agus, an caonnaig na beatha so, gu’m bheil an naomhachd a tha an leabhar so a’ cur mu’n coinneamh muatha ’s àrd agus duilich air an son, thugadh iad fainear nach e ràthad do Fhlathanas a dheanamh doirbh ach réidh dhoibh, a bha am beachd an ughdaire. B’àill leis suim is brìgh an t-Soisgeil a thional gu beagan bhriathran, agus a sheagh uile a chur a mach fo cheithir chomhairlean, anns am faic sinn, mar a ghluaiseas sinn air gach ceum do’n t-slighe do Fhlathanas, mar a sheachnas sinn foill ar nàimhdean spioradail, mar a chlaoidheas sinn ar n-ana-miannan, agus mar a bheir sinn a mach subhailcean. A dh’aon fhocal, tha an leabhar so a’ soilleireachadh agus a’ fiachainn mar a chleachdar ’sa chuirear an gnìomh uile chomhairlean an t-Soisgeil. Tha an Soisgeul ag iarraidh oirnn sinn fhéin aicheadh: tha an leabhar so a’ fiachainn nan dòighean air an d’théid so a dheanamh. Tha an Soisgeul ag iarraidh oirnn dòchas làidir a chur an Dia: tha an leabhar so ag innseadh mar a nithear so. Tha an Soisgeul a’ cur mu’r coinneamh feum math a thoirt as na tàlantan a fhuair sinn: tha an leabhar so a’ soilleireachadh [TD 397] nan tàlantan sin, agus a’ fiachainn mar a chuirear gu deadh fheum iad. Tha an Soisgeul a’ cur dleasnas na h-ùrnaigh mar fhiachaibh oirnn: tha an leabhar so a’ mineachadh na h-ùrnaigh, agus mar is coir a cleachdadh. Ma sin, chithear anns an leabhar so suim is brìgh an t-Soisgeil gu h-iomlan, mar gu’m b’ann an sgàthan. Air an aobhar sin, an neach air am bheil am miann dìreach gu mullach na coimhlionachd a’s àirde, leanadh e na coimhairlean a tha air an cur a mach anns an leabhar so.” Tha an t-Athair foghlumta a’dunadh a stéidh anns na briathraibh so. “Tha e, a nis, air a thionndadh gu Gàidhlig; agus gu Gàidhlig, cuideachd, ris na ghabhadh rud-eigin saothrachail, gus a fàgail réidh, soilleir dealbhach—saor o fhoclan Beurla agus o Ghàidhlig leathan thuathach.” Cuirear a mach An Cath Spioradail ùr air toiseach na bliadhna so tighinn. Théid a chlo-bhualadh air deadh phaipeir, agus le litir-clòdh gu tur soilleir. Bithidh e air a reic airson aon tasdan agus sia sgillinn (no, sia-deug cents thar fhichead) am fear, gun ghuth a thaobh duais a’ phost. Ma théid soirbheachadh leinn, air taobh an leabhar so, tha sinn a’ cur romhainn Eachdraidh na h-Alba a chur a mach ’na dhéidh airson sgoilean Albannaich. Leig leinn a ràdh, mata, gur h-e an dòigh a’s feàrr gus misneach is cuideachadh a thoir oirnn fios a chur an diugh air An Cath Spioradail ùr. Is e fìor dhleasnas a h-uile h-aon againn (gu h-àraid is e dleasnas Caitliceaich na h-Alba is Chanada) cainnt ar dùthcha a chumail suas, agus an dòigh a’s feàrr gu sin a dheanamh is e so—leabhraichean Gàidhlig a cheannaich. Is sinne, le’r cead, CLO-CHLAR CAITLICEACH NA H-ALBA. 20 AN T-SRAID ARD, PEAIRT. [TD 398] GIULAN NAN SASUNNACH AN DÉIDH BLÀR CHÙIL-FHODAIR LE’R CEAD, Tha mi a’ cur làn aonta ris na tha bhur fear-rannsachaidh ag ràdh mu’n leabhar ud ris an goirear Fontenoy, agus ris an do chuir Lord Roberts Roimh-Ràdh ro bhaoghalta. Bha giulan nan Sasunnach an déigh blàr Chùil-Fhodair anabarrach bruideil; ach cha d’thug Mac Coinnich san Eachdraidh a chuir e r’a chéile mu bheatha Phrionnsa Thearlaich ach roinn bheag dheth sin. Chi sinn mar so leis na bha ùghdar Caraid nan Gàidheal ag ràdh mu’n chùis so. “Cha’n ann da rìreadh gun sgreamh agus gun oillt (deir esan), is urrainn duinn smaointeachadh air an sgrios gun iochd a thugadh air ar luchd-dùthcha an déigh Blàr Chùil-Fhodair. Faodar a ràdh le mor fhirinn nach cualas a shamhuil an aon chogadh a thachair san Roinn Eòrpa. Mar nach fòghnadh leis an arm-dearg na chuir iad gu dìth anns a’ bhlàr; an déigh dhoibh an ruaig a chur, tharruing iad an claidheannan, agus mar allamh-araich fhiadhaich, chaidh iad air an ais agus air an adhart feadh na h-àrfhaich a’ cur as do gach aon anns an d’fhuair iad an deò; agus le bruidealachd air nach d’thugadh riamh bàrr, a’ sathadh an lann an cneas nan laoch treuna a bha cheana marbh. Cha’n e a mhàin gu’n do cheadaich Diùc Chumberland so, ach is ann a ghabh e mòr tlachd anns a’ chùis. Tamull beag an déigh do’n bhlar a bhi seachad bha e féin agus Wolfe a’ marcachd far an do chuireadh am blàr, agus air dha Gàidheal bochd leònta fhaicinn air ’uilinn, thubhairt an Diùc ri Wolfe, “tilg an slaightire ud, aig am bheil de dhànadas amharc orm leis na h-uiread thàir. ‘Tha [TD 399] mo dhreachd am buil do mhòrachd,’ arsa Wolfe, ‘ach cha bhi mi ’am mhortair.’” “An déigh a’ bhlar chuala e gu’n robh cuid de na daoine fathast beò, a dh’aindeoin gach leòin is ana-cothruim a fhuair iad, ’nan sìneadh a muigh air an raoin fo’n uisge throm a thuit feadh na h-oidhche. Chuireadh cuid de’n arm-dhearg a mach o Inbhirnis a chum cur as doibh so; agus ma bha’n t-òrdugh sgreamhail, chaidh a chur an gnìomh air modh cho gràineil. Air an là am maireach chuireadh cuideachan a mach air feadh na dùthcha a rannsachadh gach taighe anns an saoileadh iad an gabhadh na daoine leònta fasgadh. Fhuaradh àireamh mòr dhiubh: mhortadh iad uile ach fear no dhà a fhuair as le bàidhealachd aoin de na h-oifigich. Bha duine measail, nach bhuineadh do thaobh seach taobh, a chunnaic a dhà-dheug agus tri-ficead air an cur gu bàs mar so air an treas là an déigh a’ bhlàir.” Ach, mar tha an ùghdar so ag ràdh, cha robh an so ach faoineachd an coimeas ri uamhais eile a chuireadh an gnìomh. Dlùth do’n bhlàr-chath, bha bothan chaorach far an d’iarr cuid de na daoine leòinte fasgadh. Fhuair an t-arm-dearg a mach iad: dhuin iad an dorus, agus chuir iad r’a theine e, ionnas gu’n loisgeadh, cha’n e a mhàin na bha de dhaoine leòinte ann, ach, mar an ceudna, cuid de mhuinntir iochdmhor a thàinig a fhreasdal doibh. “An déigh do na h-uile bhéistean gràineil a rinn so an t-àite fhàgail, fhuaras le muinntir na dùthcha dà-fhichead corp anns a’ bhothan thruagh so, an cor nach unainn cainnt a chur an céill.” So sgeulachd sunndach eile a tha an t-ùghdar so a’ toirt seachad. “Fhuaras naoi Oifigich dheug an coille a’ call fala, ghiùlaineadh iad dlùth do thaigh Chùil-Fhodair, ach cha robh a’ chridhe fasgadh taighe a thoirt doibh, no idir an creuchdan a cheangal suas. Bha aon [TD 400] fhear-muinntir bochd san taigh mhòr so, a ghabh de mhisnich beagan bìdh a thoirt doibh, ged a bha e an cunnart diòladh gu trom air a shon. Fhuaradh iad so a mach air an treas là, leis an arm-dhearg, cheanglach iad gu cruaidh teann, tilgeadh iad air muin a chéile an cairt; chuireadh a mach iad ri aodann balla àird, agus mu’m b’urrainn doibh aon ùrnaigh ghoirid a chur suas, loisgeadh orra le sreath de shaighdeirean a sheas mar uidh dheich troidhean doibh, agus an earalas gu’m biodh an deò an aon diubh, dh’iarradh air na saighdairean iad a chur as doibh le èarr an gunnachan.” Na h-uiread so mu dhéimhinn giùlan bhruideil nan Sasunnach an déigh blàr Chùil-Fhodair. Gu dearbh, bu choir gu’m biodh e mar aobhar maslaidh agus cromaidh cinn do na Sasunnaich uile; ach a réir coltais, cha’n ann idir mar sin a tha ùghdar an leabhar ud Fontenoy, agus a chuid càirdean am measg nan Sasunnach, a’ gabhail ris. Is iomadh h-aon a tha aig an latha an diugh ro dhéidheil air ar n-Eachdraidh féin agus na laoich o’n d’thàinig sinn a leigeadh air di-chuimhne; ach, ged nach ’eil e ’nar comas mion-chunntas a thoirt air gach losgadh agus creachadh a rinneadh air luchd-leanmhuinn Théarlaich, gidheadh cha ’n ’eil e iomchuidh gu’n rachadh iad an di-chuimhneachadh gu tur. Sheas iad a mach gu duineil air taobh ar dùthcha-ne, agus dh’fhuluig iad mòran nithean air a son. Nach ann mar sin a tha sinn a’ deanamh rithe air an làtha an diugh? Is mise, etc., SAIGHDEAR BUIDHE. [TD 401-402] [Beurla]