[DA 1] GUTH NA BLIADHNA VOLUME I. 1904. [DA 2] [Bàn] [TD 1] Guth Na Bliadhna. THE CHURCH AND THE HIGHLANDS [Beurla] [TD 2-10] [Beurla] [TD 11] [Beurla] THE MORMHAOR AND HIS FUNCTION [Beurla] [TD 12-23] [Beurla] [TD 24] [Beurla] MO SGÉUL (2) Sgéul leam duibh: beucaidh damh. Geamhrail sneachd, samhradh seach Gaoth, ard, fhuar, ìosal grian Geàrr a slighe, ruitheach chuan. Ruadh raineach, céilte cruth ’Suas gnàth giùran guth Glacaidh fuachd, sgiathan eoin Aimsir eighe—seo mo sgéul. Sgéul leam duibh. ALASDAIR BEAG. (2) Air a thionnadh as an t-seann Ghàidhlig gu Gàidhlig nuadh. [TD 25] GAELIC LITERATURE AND PROFESSOR KUNO MEYER [Beurla] [TD 26-30] [Beurla] [TD 31] [Beurla] BITHIBH FAICILLEACH “GABHAIDH mo chomhairle” ars’ an seann duine glic! “Seadh, gu dearbh” ars’ ’iadsan, “is fhada bho ’n a chuala sinn ‘Tha ceann mor air duine glic agus ceann-circ air amadan’” Cha ’n eil mise a gabhail orm gu bheil mi nas glice na feadhain eile ach dh’ fhaodainn a radh mur a thuairt a Ministair coir “bheirear comhairle seachad, ach cha toirear giùlan.” Bha uair ann ’n uair a bha an Sagart “a muirn, ’s miad, ’s meas” cha ’n e mhain air feadh na Gaidhealtachd, mar a tha ’a chomharradh anns na [TD 32] seann “Chaipalean” anns gach seann chladh ’s an duthaich, agus ann a cainnt air sinnsir; agus a bharrachd air sin, air a Ghalldachd far an robh eaglaisean mora, briadha agus taighean-crabhaidh tha an diugh nan laraichean. Ach dh’ fhalbh an latha sin bho chionn uime linn; air chor ’s gu d’ fhuair an Sagart agus a’ dhriachd agus a’ chreideamh fior dhroch ainm agus mi-chliu. Cha b’ iongantas e. Thug lagh na rioghachd a h-uile oidheirp air a chreideamh sin a sgrios, ach dh’ fhairslich air sin a dhiannadh. Tha giùlan lagh na rioghachd agus oidheirp ’s innleachd na Ministairean a cuir am chuimhne giùlan na “Caillaiche” an toiseachd an Earraich. Tha i sid gu foghainteach le’ sladhan na’ dorn a diannadh a dichioll a cumail a sios fàs an fheoir. Mo dheireadh, chaill a Chailleach a misneach, chaill i greim a’ laimhe, is thilg i a sladhan fada ’laimhe agus thug i beuchd eisde a bheireadh sniomh air cridhe na cloiche, is dh’ eigh i ard a’ cinn:— Dh’ fhag e shios mi, dh’ fhag e shuas mi Dh’ fhag e eadar mo dha chluais mi Dh’ fhag e thall mi, dh fhag e bhos mi Dh’ fhag e eadar mo dha chois mi Tilgeam seo’ am bun preas cuillinn Far nach fàs fiar no duilleach. Ach mu’n d’ thuairt bean Dhomhnuil Ghalld’ e “s’ e neoni an Saoghal sallach, ’s mearg nach gabhadh na neoni e.” Tha ’n Sagart agus “Creideamh an t-Shagairt” a fas uidh air n’ uidh cho measail agus cho cliuteach agus a bha e riamh. Nach e so a thuairt an t-sheann fheadhainn a bhitheadh a g’ innseadh dhuinn, gu’ m b’ e creideamh an t-Shagairt a bh’ ann bho thùs agus gur e a bhiodh ann mu dheireadh. Tha’ bhlath ’s bhuil ’n uair a chi sinn na miltean de [TD 33] dh’ iosalean agus de dh’ uaislean agus de chleir na h-Eaglais shassanaich a tionndadh ri eaglais na Roimhe a thuileadh air iosalean agus uaislean agus ministairean-sgeirachd Eaglais na h-Alba. Tha mi cur mo luchd-leughaidh air an earalas. Bithibh faicilleach, modhail, beusach, turail. Tha mi dol a dh’ innseadh dhuibh gu de ’thachair. Bha Sagart Gaidhealach ’s aithne dhomhsa latha bha sid air a cheùm dol do Shassun. Ghabh e an “Train” ann an Dunedin. Thainig da dhuine-uasal gasda stigh, is thoisich a chracaireachd. B’iad, gu dearbh, daoine cho suilbhir ’s thachair riamh air. Mu dheireadh thainig crioch air a chomhradh agus thug an Sagairt tarrainn air a leabhar. Ann sin thoisich na gillean air bruidhinn mu’ n t-Shagairt ann an Gaidhlig bhinn an eilean Ileaich. Thuirt fear dhiu, gu’ n robh e an duil gur Eirionnach a bh’ ann; ach bha am fear eile am beachd nach b’ e ach gu’m b’ e Spainndeach a bh’ ann, a chaidh a thogail agus arach anns an rioghachd so a chionns gu’ n robh rogha ’s tagha na beurl’ a aige. ’S e thug air a leithid so do bheachd a bhi aige, chionns gu robh snuadh iarnaidh-duibh air gnuis an t-Shagairt. Cha do ghabh an e Sagart air gu’ n do thuig e facal gus an do stad an “Train.” Chuir e a cheann a mach air an uinneig, ’s thug e suil mu’ n cuairt, an sin shuidh e far an robh e roimhe, agus le snodha gaire dhur-bheachdaich e air na gillean agus thuirt e ann an Gaidhlig smiorail na h-Apuinn, “tha eagal orm gu bheil coltas an uisge air”! ’S ann a sin bha’ n luasgan, an naire agus am masladh air na gillean! Dh’ iarr iad mile mathaneas air an t’ Shagairt chionns gu’ n robh iad cho neofhaicilleach ’s bha iad. Ach chuir an Sagairt an sid orre, nuair a thuairt e. Cha ’n ’eil sibh an ion a bhi [TD 34] narach, oir cha d’ thuirt sibh ni a bha na chulaidh-naire dhuibh. Bithibh na’ s faicilleache as a sa suas. Thuit dha ’n phears-eaglais chiadna dol air sgriob do dh’I Challum-Chille. Eader an t-Oban agus I chuir e eolas air teaghlach Frangach a bha air bord, a bha cuideachd air an ceum do ’n Eilean ainmeil. Bha na Frangaich, fior thaingeil chionns gu’n do thacair iad air a h-aon a bha min-eolach air an cainnt agus air an duthaich anns an robh iad. ’N uair a bha iad a gabhail an aisig eader bata mor Mhic Bhrian agus an cladachd chuala’n Sagart an gille a bh’air an ramh-bhraghad ag radh ri chompach. “Eobhain, eisd ris an fhear ad’s e b—do Shagart Frangach a th ’ann.” Cha do ghabh an Sagart air gu’n cual’e dig gus an robh iad faisg air a chlacdach, ’n uair a labhair e ann an Gaidhlig. “Buil ann a Dhomhnuil, dian fodha, Eobhain.” Cha ’n eil mi n’ion a radh gu’n robh tamailt gu leoir air na portairean. Lath’eile thuit dha a bhi dol thairis air drochaid mhor Ghlaschu, ’n uair a thug e ’n aire do dhithis ghillean air robh “smuid.” Gun teagamh, mur a thuirt iad fhein ’s ann as an Eilean ’bha iad. Dh’eigh fear dhiu ris an fhear eile. “A Thormaid, gabh beachd air Sagart an diabhol.” Thionnaidh an Sagairt air a shail agus thuairt e; “A laochain gu ’n tur, cha ’n e mac t-atharse, bu choir a leithid a radh ri mac m ’atharse.” ’S e bh’ann gu ’n do dh’iarr na gaisgich mille mathanas air t-Shagairt, a thuile air a sin bha iad air bheachd gu’n d’aithnich e iad, ged nach fhac an Sagairt iad riamh roimhe iad. Seall, gu de’ thacair an la-roimhe. Thainig dithis ghillean a Ile de Ghlaschu ’s bha iad a dh’ amharc ann an iunneig buth a bhuinadh de dh’ Iudhach araidh. Bha ’n h-uile seorsa de ghnothaicean priseil anns an uinneig. Bha uairadearen oir ann, ’s fainneachan ’s [TD 35] cluas-fhailean agus ailbheagan aluinn do gach gnè. Co thainig thun an doruis ach an t-Iudhach e fhein. ’N uair a thug na gillean an aire dha thuirt fear dhiu ri’ charaid, “Seall, ’ille, so agad a am b—e fhein.” Rinn an t-Iudhach glag gaire, agus thuirt e; “Thigibh ’stigh ’illean agus ceannaichaibh ‘faidhirean’ do ’n fheadhainn a dh’ fhag sibh aig an tigh.” Chaidh na gillean a stigh ga rireamh, agus mu’n d’ fhag iad an t-Iudhach dh’ fhag iad corr ’s tri-puinnd-shassunach anns a bhuth an lath’ ad. ’Sann an Ile fhein a dh’ ionnsaich an t-Iudhach a ghaidhlig a chiosnaich na gillean. Cha bhi mi ann brath-foille dhuibh. Bithibh daonan air ur ’n earalas. Bithibh faiceallach, agus na bithibh am feasda ’nar culaidh-naire do Thir nam Beann, na ’n Ghleann ’s ’na Gaisgeach. GILLEASBA’ MAC DHOMHNUIL ’IC EOBHAIN. RUSSIA, ENGLAND AND JAPAN [Beurla] [TD 36-40] [Beurla] [TD 41] [Beurla] A CONNAGHT LOVE-SONG Da mbeith ’aitreabh agam fein, No gabháltas a’s réim, Caoirigh breágha bána Ar árd—chnoc no sléibh, Sláinte agus méin, Agus grádh ceart d’á réir, Beidhinn-se ’s mo ghrádh geal. Go sáimh insan t saoghal. [TD 42] [Beurla] [TD 43] [Beurla] LAMH DHEARG BHA faileadh giubhais fhluich anns an iarlmailt, agus bha Gleann Aora a briseadh a mach le taladh an earraich. Lion Paruig Dall am piobaire—mac mhic Iain Mhoir—a chom fharsuing le anail dhithis dhaoine, agus thilg e na duis thar a ghuaileadh. Bha iad a bogadan car tiota gus an do dh’at am màla a mach, agus sheirm a cheud sgal ann an cluais na maduinne. Neo-bhìnn agus sgreadach, dh’ fheuch na ribheidean co a b’airde ’dheanamh fuaim gus an do chum làmh fir-iuil fo smachd iad, agus shnàmh fuaim fhada chiuin na piobaireachd a mach am measg na stioman breacain. Chuala mullach glas Dhruimfearna an ceol; leig a chreag a tha ’deanamh faire air beul Charnuis troimh ’n bhealach e, agus thar a chnoic, agus sios a dh’ionnsuidh nan eileannan gu h-iosal. Dh’aom Dun Chorrabhile agus Dunchuach, Cillmuin uaibhreach, Ciochan Shalachari, agus ceud monadh eile mun cuairt a dh’eisdeachd ris na puinc-chiuil bhòsdail a lion an Gleann. “An Gleann, is leamsa ’n Gleann” sheinn am feadan sùnndach, agus air claidheamh Fhinn! cha chliucheadh Macruimean fhein ni b’fhearr e. [TD 44] ’Sann mun d’fhàg Paruig Dall a dhol do’n Leth-Bhaile a bha e, roimh na cogaidhean a dhadh na glinn; agus chocadh na Caimbeulaich am bonaid ann an aodunn Albainn uile. Bha Paruig sean, agus bha Paruig dall, mar a tha ’n t-ainm aige ag innseadh, ach ghluais e le giulan righ sios as suas air an fheur ghoirid, a chas seasmhach ris gach buille don cheol, ’fheileadh a luasgan bho thaobh gu taobh coltach ri òran baird, a sporan a leum gu h-aighearach air a ghluinnean lachdunn. Da fhichead ceum togarach gu taobh an uillt, tionndadh reidh air sail bròige, agus an sin air ais le dearsadh na greine air bucuill a chrios. Rinn na fir—a tilgeadh a chabair agus a cur na cloich-neirt an aghaidh na greine an taobh thall don pholl mhonadh—moille nan sìnteagan ’nuair a chual iad uaill an fheadain, thug iad teann-tharraing chabhagach air na breacain mu ’n leasraidh, agus thainig iad a nall a dh’eisdeachd, stad na mnathan a bha posdadh phloideachan air son na h-airidh a bha am fagus an speirteadh anns an linne bhig, agus rinn iad cronan mar gum bann am bruadar; bha cuimhn’ aig na fir ’s aig na mnathan air na laithean a dh’fhalbh, nuair a bha ’n Gleann bog le fuil dhaoine, oir bha na Stiubhardaich thall mun coinneamh bha ’n Apuinn. “Dealradh Dhia! ach theid aige air cluich cuideachd,” arsa mac a phiobaire le cheann a tuainnealaich leis a cheol ghrinn iullagach. An sin phut Paruig am màla ni b’aide stigh ’na achlais, agus dh’atharraich am fonn. Chluich e ’n t-urlar aig “Bodaich nam Brigis,” agus chunnaic uiread ’s gam ’b’ aithne an naigheachd “bodaich nam brigis” air am briseadh, agus a teicheadh roimh culaidhean iotmhor Ghlinn-urchi, fad mu thuath air a Mharairne, laithean fada siubhail sgith troimh ghlinn spuinnte. [TD 45] “Se cluich ghrinn a th’ann, tha mi gabhail ris” arsa mac an duine dhoill, ’s e na sheasamh fo chraoibh sheilich, màla na piob’ bhratachail ann an lùb a ’ghairdean. Chaith e breacan dorcha nan Diarmad, agus bha faillean do bhalg an domblais aige na ’bhonaid, oir bha e ann an cuideachd Dhonnachaidh Dhuibh. “A mhic Pharuig Dhoill” arsa ’n Ceannard, seachd bliadhna bho ’n Fheilmàrtuinn so tighinn, “ma tha thu gu cluich coltach ri t-athair, cha n’eil air do shon ach Dunmheangain agus teagasg Pharuig mhic Cruimein.” Mar so chaidh Tearlach do ’n Eileann Sgiathanach—eileann fuar sgeanan agus uaimhean—agus ann an oil-thigh Mhic Cruimein dh’ionnsuidh e ’phiob-mhor. Maduinn as feasgar, as fad an latha eadar riu, chluich e’m feadan no ’phiob iomlan—tional as siubhal, mort as ceol tiamhaidh, agus am furan flathail. Far am bheil a ghaoth laidir a tighinn saillte bho Bhatarnais tarsuinn Loch Mheangain, agus tigh’n-am-fraodhrac gorm-dhearg Uibhist a briseadh croinn oir dol-fodha na greine, sheas e air na bruthaichean thall mu choinneamh Bhoraraig, agus chuir e ’n seol-mara gearanach fo gheasan. Agus thainig latha air an do chluich e “Cumha na Craoibh-Chlarsaich,” leis na seann bhliadhnachan do chomhraig ghairbh, agus do dhaoine treuna anns an fhonn aig’ uile; agus thubhairt Paruig mac Cruimean “Na cluich ni ’s fhaide, ’ille; falbh dhachaidh: cha chuala Lochogha fear eile riamh coltach ruit.” Mar choileach le ’chirein gun ghearradh thainig an t-oganach as an Eilein Sgiathanach. “’Athair” bha e air a radh, “cha chluich sibh gu h’ olc air son seann duine, ach tha sibh ag ionndrainn an t-seallaidh air aoduinn nan daoine, agus se sin leth a chiuil. A bharrachd air sin, tha sibh sean, agus [TD 46] tha bhur meuran mail air na puinc-chiuil mhaise. So bhur fuil agus bhur feoil fhein a dh’fheuchas dhuibh cluich nach robh a ’leithid riamh an àite sam bith sear air na h-Eileannan. Chual’ a mhuime am bosd. “A Pheasain” ars’ ise gu crosda, le fuath na h-aodunn tioram odhar le toit na monadh. “Se duine ’th’ ann a d’athair, agus cha’ n’eil annadsa ach balach aig nach eil cridhe air son latha fada. Cha’ne aite ann an earbull Dhonnachaidh Dhuibh, cuimhnich, a dh’ fhoghnas air son piobaire ’dheanamh.” Rinn Tearlach gaire na h-aodunn. “Balach no duine” ars’ esan, “seallaibh orm! tuath, sear, deas, agus siar, c’àit’ am bheil am fear a gheibh buaidh orm? Tha ’n t-ainm aig Macriumean, ach bha piobairean ann air thoiseach air MacCruimean, agus thig piobairean na dheigh.” “Dh’ fhaoidte gu’ bheil e mar a tha thu ag radh,” arsa Paruig. “Tha ’n stuth annadsa, agus feumaidh an rud a tha ’stigh tighinn a mach; ach thoir dhomhsa Cothrom na Feinne, agus sean ’s mar a tha mi, le Cothrom na Feinne, agus se sin ceartas, ma dh’ fhaoidte gun d’thoir mi ort goirsinn le ni ’s ludha ’thogradh. Am bheil thu air son feuchainn?” “Tha mi ’cur an cleachdadh ribheid-feadain uir,” arsa Tearlach; “ach bitheadh e ’nuair a thoilicheas sibh.” Shuidhich iad latha, agus chaidh iad a mach a chluich an aghaidh a cheile air son gloire, agus sann mar so a thachair gun robh air an latha so Paruig Dall a cluich. “Is leamsa ’n Gleann,” agus “Bodaich nam Brigis” ann an doigh a chuir gluasad air cridheachan. Chnag Giossal a’ meuran ann an aodunn a’dalta ’nuair a dhùin a ’fear an crùnluath aig a’ phiobaireachd. [TD 47] “An urrainn thu ’dheanamh ni ’s fhearr, fhir dhiolainn?” thuirt i gu dranndanach. “Tha so an tarruing ris co-dhiu!” arsa Tearlach, agus thairis air a dhruim chaidh a bhratach le ’ceann tuirc fuaighte air òr. Gille grinn, air a chrois! glan ghearrte am buill agus eutrom an cois, subailte an leasraidh le luasgan guaille nach robh piobaire eireachdail riamh as eugmhais. ’Leag na mnathan a bha san linne uile an taic air aon a cheile anns an latha bhog giubhas-bholtrach, agus sheall iad air a mach a suilean domhain; dh’eirich na fir air an fhraoch agus sheas iad ni bu dluithe. Beagan gleusaidh, agus an sin:— “Is coma leam ’s coma leam cogadh no sithe Marbhar sa chogadh no crochar ’s ’an t-’sith mi.” “Cogadh no sith!” ghlaoidh Giorsal, a tucadh le feirg, ri a fear—cogadh no sith! am bosdair dubh! ’se nathair nimhe a tha agad air son mic, fhir-an tighe!” Dhanns meuran a ghille gu cridheil air an fheadan agus thuit crith rudeiginn a bha ri thighinn air an t-sluagh uile mu’n cuairt. Bha na seann chnoic a deanamh mire leis an fhuaim shùrdagaich; thilg Dun Chorrabhile e gu Druimfearna, agus chuir Druimfearn ’e a leum thar ’reidhleannan Chillmuine gu coireachan uaine Leacnamban. “Gaol, gaol! an seann duan, thig agus, faigh feoil!” thuirt feannag gu garbh-ghuthach ri companach fad as air a Bheinn Bhric cheothar, agus chrath na sgiathan troma dubha sear. Dhi-chuimhnich a ghaoth chairdeal beadradh a dheanamh ri badan-a-ghuibhais, agus ris an roid shrannraidh, agus bha steall na h-Aora na ’linne dhuinn mar fhuaim fiona ann an cuaich. “Cogadh no sith, cogadh no sith; tha sinne coma codhiu,” [TD 48] sheinn ribheidean na pioba, agus bha’n tional agus an siubhal ann, dian-ruith theth-chasach thairis air mointeich a bha ’grodadh fo uisge na neul, gliongadh iaruinn, gleadhar sleagha agus sgeithe, ràn tachta fuath agus acrais, slachdadh as gearradh as tuiteam, agus air a chul aimhreit shean ris an Apuinn. Ag aomadh air an aghart, mar gum b’ann a bruadar, sheas gillean smearail Aora. Dh’fheuch iad air an leasan, far nach robh ach criosan falamh agus thuirt fear dhuibh ri ’leanabh. “A ghaoil ghil, faigh dhomh an sgian fhada ud leis na bearnan inte, agus an ceann-bheart orra, oir tha mi sgith do bhuachailleachd.” Thug an leanabh suil air aodunn agus chaidh e dhachaidh a caoineadh. Agus thaom an ceol fhathast air aghart, “Gun d’ thuair mi pog ’o laimh an righ,” agus “A Bhiodag bhoidheach,” agus gach fonn ni ’b’fhearr na cheile. Cha ’d ’rinn piob shith Cnoc nan Daoine Beaga riamh fiabhrus fuaim ’bu mhilse, gidheadh ghoirtich e cluasan nam boirionneach, aig an robh aobhar fios a bhi aca air duais sùrdagan phiobairean. “Stad! stad, A Thearlaich Oig!” ars iadsan, ’s leor mu chogadh! nach eil ruidhle agad ann ad ’mhaileid?” Cha robh ruidhle riamh am Boraraig, ars’ an gille; agus ghabh e do ’Rabhadh Dunibheag, am fonn a chuala Colla Cìotach ann pìobairr aige ’cluich anns an aird-an-iar air an latha anns an robh a ghalla dhubh ’o Dhunstamhuinnis na sinneadh a plosgail air a shon; agus chuir am bàta aige ’sron mu’n ’cuairt ann an am air son a chraiceann a shàbhaladh. “Tha ’n dearbh fhacal fhein ann,” arsa Paruig, a di-chuimhneachadh sgeig Giorsail, agus gach ni ach uaill ’athar. ’Sann ann am meadhon an ’Rabhaidh a thainig [TD 49] Donnachadh Dubh, bàr a bhroige anns an stiorap, a nios ’o Chaisteal Ion’araora le gille-cas-fhliuch air a chùl-thaobh air a ’rathad gu Lochogha. “’Sann shios an sud ’bu choir dhuit a bhith a Shair Phiobaire, agus cha’n’ann a seideadn an so air son dibhe,” ars esan, a bualadh a ’bhrigis le ’chuip, agus a cur gruaim air fo mhaileadhan dubha ris an t-sluagh. “Tha mo bhean sgith do’n’ chlàrsaidh, agus tha i ’g iarradh na pioba.” “Cha phiobaire boirionnaich mise, ’Lochogha; faodaidh a bhean agaibh eisdeachd ri cronan na cuidhle-shniomh ma tha i sgith do’n ’chlàrsaidh,” ars’ an gille: agus air falbh mharcaidh an Ceannard, agus air an ais do’n luba chaidh na boirionnaich agus chaidh na fir a dh’ionnsuidh a chabair agus na cloiche, agus chaidh Tearlach, le ite eile ’bharrachd na ’bhonaid, dhachaidh do dh’ Ion’araora a fàgail facal magaidh mar a dh’fhalbh e air son athar. ’Mhionnaich Paruig Dall gu feasgar ris a mhac nach fhac e riamh, agus phuinseanaich a bhean an inntinn aige. “Tha n’ Gleann ri fanaid oirbh, a dhuine, bho Charnus gu Croit-bhile. Se latha dubh loisgeach naire a th’ann dhuibh a Pharuig Dhoill!” “Thighearna, se latha dubh gu leoir a th’ann dhomhsa aig a chuid as fhearr!” ars’ an duine dall. “’S’ann a tha sibh air bhur tàmailteachadh le mac bhur droch dheanadais fhein; le balach gun fuil air a’bhiodaig, le àrdan gu goirsinn os bhur cionn.” Agus thug Paruig mionnan as ùr, air a Chrois agus Coin Lathurna, agus air miotaig ghil an t’soluis a tha na famhairean a caitheamh, agus air seachd Buidsichean Chothmar. Bha e olc ged a bha e aosda, agus chaidh e air ais gu toiseach tìm air son a ’chainnt. “Ach a Dhia! theid aig a ghille air cluich!” thuirt e mu dheireadh. [TD 50] “O amadain dhoill!” ghlaodh a ’bhean; nam bu mhise sibh, bhiodh ionga bharr a chuilean roimh bheul an latha.” “A bhean ghoraich, chluich daoine riomhe so a phiob agus meur dhiubh; seall air Alasdair Corraig.” “Biodh sin mar sin, ach tha làmh cho furasda ’ghearradh ri meur, do dhuine ’thug grealach a fiadh le sgian-dubh gheur. ’N dean sibh e no ’n duilt sibh?” Cha ’n’ eisdeadh Paruig an còrr, ghabh e gu ’chluasaig. Thainig uisge leis an dubh-thrath. ’Réic an Aora, an abhainn oirdhearc, suas an Gleann dorcha bho ’Leum a Bhradain, chruinnich na cnoic gu tiugh agus trom mu’n cuairt air an tuath-bhaile sgaoilte, rinn barran ura uaine a ghiubhais agus duilleagan copair nan craobhan daraich òga fuaim ghearanach anns a ghaoith. ’N sin thainig gaoithean saillte le fuaim reubaidh a nios bho ’n ’fhairge a bleith meoir ri meangan, agus bha smùid as an talamh uile le farum uisge a thainig air fhiaradh air, gu dian agus teth. Dh’eirich Giorsal, a h-eudach fhathast uimpe, chuir i breacan air a ceann dubh, agus thug an dorus tiugh slacadh air ais air an leabaidh’nuair a leum i do’n ghaillinn. Bha a casan troma bog fluich a dol troimh ’n fheur mhòintéachail, ghreimich am fraoch air earbuill eabarach a ’còtaichean a thoirt orra stad; ach lion ise ’cridhe le aon smuain, agus be sin fuath; agus feuch! bha i air leathad an Tairbh Dhuibh mu ’n do ghabh a ’fear dall a stigh ’de ’bha i ’ciallachadh. Bha Caisteal Ionbharaora na luidhe aig bonn an duinn choillteich, a dol na chadal le ceol an loch shàile a rinn buairas agus cobhar, a tuath ’s a deas ann an luig nam beann; an dràsd ’s a rithisd thug a ghealach suil air rudan, an dràsd ’s a rithisd ghoir [TD 51] cailleach-oidhche ’s a choille bhraonaich mar a bha ’n t-uisge ’bualadh air itean a broilleich; ’leum earba ’mach as an dubhar agus a stigh ann le cruinn-leum gealtach os ceann Charlònain, bhuail tein’-adhair anns an dorcha an aghaidh gualainn Bheinn Ime, agus luaisg e ’n saoghal. Anns an uair fhionn ar roimh bheul an latha bha ’m boirionnach ann an seomar a phiobaire aig geat’ Ionbharaora bharr nach robh dorus riamh air a chrannadh air cheann na h-oidhche cho fhad ’s bu ’leir do Chailain Laidir, am fear-dion, bho Ghearasdan Dhunchuach gu Cladach. Luidh Tearlach, am piobaire, air a dhruim, le boisge na mònadh ’leith-mhairbh air ’aodunn ’s air a làmhan. “Paruig, Paruig!” ars’ a bhean rithe fhein ’nuair a chuir i as gu sàmhach le ’casan an teine-monadh: agus thionndaidh i dh’ ionnsuidh na leabadh. Agus feuch! bha e thairis. Rinn sgian bheg dhubh a ’fir grad-shiubhal cabhagach air caol-an-duirne aig an fhear a bha na chadal, agus bha ’n làmh aic’se air a deanadh fluich le fuil theth mic a ’fir. Leum Tearlach suas le gaoir anns an dorcha, agus dh’ fheuch e air son a ’nàmhaid, ach bha ’n tigh falamh, oir bha Giorsal a ruidh coltach ri agh feidh tarsuinn reidhlean bog a Chuirnbhain. Bhuail an tein’-adhair aig Gleann-Aora ann am feirg agus mi-riaghailt bhearnaich, bha an tàirneanach a toirt farum fàs air a Chreig Dhuibh: ann an luib anns a cheum aig na Tri-Drochaidean choinnich a bhean ri a fear-posda. “A nighean ifrinn!” ars’esan, ‘am bheil e deanta? agus am be ’m bàs e?” “A Ghaoil nam fear” ars’ise le gaire beadarrach. Cha robh ann ach làmh isein. Bheir sibhse dhuinn. ‘Is leamsa ’n Gleann’ anns a mhaduinn.” PIOB-MHOR. [TD 52] THE KINGDOM OF DAILRIADA [Beurla] [TD 53-65] [Beurla] [TD 66] [Beurla] THE LITERARY OUTLOOK (BY A PUBLISHER) [Beurla] [TD 67-73] [TD 74] [Beurla] CRABHADH DO LEANABAN NAOMH PHRAGUE A Leinibh Naoimh! Tha mi ’greasadh a d’ionnsuidh. Tha mi ’guidhe ort as leth do Mhathair gun saor thu mi. Oir, tha mi ’creidsinn gu daingean gum beil do Dhiadhachd g’am dhion. Tha dòchas agam gu faidh mi do ghras ro-naomh. Tha mi ’toirt goal dhut le m’uile chridhe, ’s le m’uile anam. Tha mi fìor dhuilich air son mo pheacanan, ’us tha mi ’guidhe ort, a Leinibh Naoimh! gun saor thu mi. Tha mi ’cur romhan gun smachdaichidh mi mi fhéin, ’s nach cuiridh mi fearg ort chaoidh t-uile. Air an aobhar sin, tha mi g’am thairsge fhéin dhut, los gach ni fhulang air do shonsa. A thuile air sin, ni mi seirbheas dhut gu dileas gu bràth; agus bheir goal dha ’m choimhearsnach mar dhomh fhéin air do sgathsa. A Leinibh Naoimh! Tha mi ’toirt aoraidh dhut! [TD 75] A Leinibh Naoimh! Tha mi ’guidhe ort gun saor thu mi as…; agus deonaich dha’ d’ sheirbhisich t’fhàcal éisdeach a chaoidh. ’Us tha mi ’g achanaich Ortsa cuideach t’Aodan fhaicinn maille ri Moire ’Mhathair is Ioseph, agus aoradh a thoirt dhut am measg nan Ainglean uile. Amen, Amen, Amen. MORLAMH. LANGUAGES AND SCIENCE [Beurla] [TD 76-83] [Beurla] [TD 84] [Beurla] AN TUIL RI là gaoith’ is uisge, bha abhainn ann a thàinig roimh ’n chamhanaich as an dùthaich ard, gharbh, a tha thar thall a’ mhonaidh. Chaidh i seach air dorus seann duin’ a bh’ ann. Bha i ’gearan ’s a’ talach mar a dh’ fhalbh roimpe. “Tog ort!” agus ioc dhomh na bheil agam ort!” ars’ an abhainn. “’S gailbheach an uair a th’ ann. Cha’ n fhaca mi riamh a shamhuil air olcas. Tha sgìos orm, agus tha mi sgìth air dol air aineol. Leig a’s tigh mi! Leig a’s tigh mi!” “Ciod tha uaith?’ ars’ an seann duine. “O’n là thàinig mi dhachaidh gus an àm seo, mhothaich mi a’ ghaoth fhuar ’s an uisge. Leig [TD 85] leam! Na bi rium! Cha ’n ’eil dad agam air do shon.” Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i an dorus. Bha acras is fearg oirre; agus bha an duine seann, lag, agus làn eagail. “Is beag orm fuaim na gaoithe fuaire. Is fuar a’ ghaoth à tuath. Is dubhach fuaim nan uisgeachan a tha ’ruith ann. ’S gun aire dhomh uamhann na h-oidhche,” ars’ an seann duine. “’Abhainn! carson a tha sibh ag iarraidh m’aimhleis?” Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i a chasan. “Bithidh mi dol a bhualadh do chridhe an ceann tacain,” ars’ an abhainn. “Ged a tha thu seann, bochd, is lag, tha thu ann ad dhuine, gun amharus. Tha beatha uam. ’S e feòil duin’ a tha mi ag iarraidh.” “Bheir mise dhuit e cho luath ’s is urrain domh. Ged is fhearr a bhi marbh na bhi ann,” ars’ an duine, “is cianail m’aigne; oir is cruaidh leam do mhiann. Mo thruaighe! Mo thruaighe!” Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i a leisean. “Bithidh mi dol a bhualadh do bheul an ceann tacain,” ars’ an abhainn. “Tha mise is frasan dubh nan stiallan ag iarraidh do bheatha an oidhche seo.” “’Abhainn gun acarachd!” ars’ an duine. “De is àill leat? Gheibh thu sin is mò, ma tha e’ m chomas; ach caomhain thu mise. Tha mi seann is bochd, ach bithidh agad gach ni a th’ agam ma chaoineas thu mi.” Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i a bheul. “A Dhuine gun inntinn, gun fhoghlum!” ars ise. “Is gòrach thu. An saoil tu gu’n fuasglaidh [TD 86] mi ort a nis? Is ìomadh là a bha mi ag iarraidh do beatha. Bha mi beag, agus tha mi mòr a nis; bha mi lag agus tha mi làidir a nis. Cha’ n fhuasgail mi ort,” agus bhuail i a cheann. Cho moch a ’s ’g an d’thàinig an là màireach, dh ’fhalbh an abhainn thar a’ mhonaidh, agus bha i ann mu’n deachaidh a’ ghrian fodha. Fhuair iad an corp ann an poll beaga bh’ann. Cha robh ach gann da throidh uisge ann. Thiodhlaich iad e, agus dh’ fhalbh iad dachaidh. AN T-AISLINGICHE. ARMS AND THE MAN [Beurla] [TD 87-94] [Beurla] [TD 95] THE HIGHLAND GIPSY: HIS HAUNTS AND HABITS [Beurla] [TD 96-102] [Beurla] [TD 103] Guth na Bliadhna LEABHAR I.] AN T-EARRACH, 1904. [AIREAMH 2. THE SCOTTISH CATHOLICS AND SPAIN [Beurla] [TD 104-115] [Beurla] [TD 116] EILEIN NA H-OIGE NAM biodh agamsa mo raghuinn Thaghainn as an Eòrpa Aite tuinidh ’n cois na tuinne ’N Eilein grinn na h-Oige. Lom e ’dhuilleach, lom e ’mhuran, Lom e ’churachd eòrna; Air a luimead gur a lurach Leamsa ’h-uile fòd dheth. Cha’n’eil ionad anns a chruinne ’S inntinniche òigridh. Sunndach cridheil fonn nan nighean ’S binne ’sheinneas òran. Ar cuid bhodach ’s iad ’tha frogail— Mòr tha ’thogail còmh’ riuth’: Sùrd na caileig’ air a chaillich, ’S mear an aign’ ’tha fòipe. Fuaim nam feadan feadh nan creagan, Leinibh bheaga ’dannsa; Luchd na mara a’ sàr-tharruing Canabhas ri cranntaibh, Eubh nan gillean shios mu’n linnidh Iad ag iomairt trang ann: Tràigh a’s gile, cnuic a’s grinne, Ragha suidhe sàmhraidh. Là na gaillinn gur a fallain Gaoth na mara greanntaidh; Gasd an sealladh muir a’ stealladh Sad mu mhullach bheanntabh; Marcan-sìne bharr na Sgrìne Nuas ’n a mhill ’s ’na dheann-ruith; Muir gach ama ’caochladh greana Ris na meallan geamhraidh. [TD 117] Gasd am farum aig a bhannal ’Th’ air an teanal thall ud; Luachadh daingeann air na maidean ’Chuireas plaid ’an teanndachd; Trom am buille, treun an ruighe, Trang a bhuidheann bhaindidh; ’N clò ’n a shiubhal ’dol ’an tighead, ’Rann ’cur ruith gun taing air. Thall mu’n teallach faic a chailleach ’Cur ’n a deannabh ’cuibhle. Fear-an-taighe ’s luath a lamhan— Dubhan cam ’g a rìghleadh. Tigh a bhealaich ’s mòr an tathaich ’Th ’ann de dh-fhearabh ’s nìonag, ’S fear dha ’m b’aithne le sàr-anail ’Gabhail rann na Feinne. Piob ’g a spreigeadh, binn a fead leam, ’S cha b’e sgread na fìdhle; Cridh’ ’toirt breab as ’s e ’g a freagairt Ann am beadradh inntinn’. Air an fheasgair bhiodh na fleasgaich A’ co-fhreasgairt tìm dhith; Leam bu ghasda ’bhith ’n am faisge ’Dol an teas an rìghlidh. Fir a’ tarraing mach a cala Gum b’e ’n sealladh eibhinn; ’Togail chrannabh, buill ’gan snaimeadh Ann an gramabh gleusta; Siuil a’ crathahd, chluinnt’ am farum Gus am faighte réidh iad; ’S mach air chabhaig thun na mara, ’S cop ri ’darach, deudag. [TD 118] Na lìn fhada ’s na lìn sgadain Ann am badaibh réidh ac’; ’H-uile h-ullachas ’dhìth culaidh ’Bhios a’ ruith an eisg ac’. Dia na tuinne gur e ’m bun e: ’De ’ni duin’ as eugais? Toradh mar’ a cuile Mhoire— ’S e ’tha ’cumail èis bhuap’. Gum bu laghach toiseach foghair Corra thadhal dorghaich, ’Leigeil dhubhan thun a ghrunna Muigh air iola eòlaich. Bodaich bheaga ’g ’ich’ ’an graide, Mucan creige ’corbadh, ’S beadag cudaige ’tighinn h-ugainn Dha’n robh ’n criomadh seòlta. ’Tòrachd cobhartaich ri reothart Muigh air oitir treud dhiubh; Dh’ aindeoin crosgag bhog na rosad Gheibhte so-chur eisg ann. Nuas ’nar fochair gun dad dochuinn Thigeadh socair leubag; ’S bioraich mhosach’, ’thoill an crochadh, ’S tric ’bha crois dhiubh fhein ann. Feasgar foghair ’draghadh mhaghar Gum b’ i ’n fhaghaid ghrinn i; Iasg a’ riobadh, gun fhois tiota, ’Togail diogal inntinn’; Sliopraich slapraich aig na slatan ’Cumail cath nach tiom riuth’; Beairt ’g a bogadh ’s beairt ’g a togail, ’S beairt ’g an sgobadh innte. [TD 119] ’N ám na Calluinn’ feadh nan carraig Bhiodh na feara greòd dhiubh; Là gun dad aca ’gan ragach’, ’S latha sgaid gu leoir ann. Fear a’ pronnahd, ’s fear a’ solladh ’Tional pobull ghòrag; Tabh ’g a thomadh thun an tobhair, ’Sin ’g a thogail fòpa. Fir ’nan deannabh ’tarraing eallach Stigh ’o ’n chala Hanna ’Dh-iasg na mara ’reir an ama ’Cumail thall na teanndachd. Smearaich thapaidh ’ruith ’n am feachdabh Feadh nan leac ’an traingead, ’Tìreadh langa, dhaibh is aithne, Air an sgalaidh ’s t-samhradh. Bharr gach bearraidh, stigh gach bealach Chithear deannan nìonag, Eallach connaidh ’cùl an droma Nuas ’o n mhonadh Sgrìne. Bodaich throma ’n cas air sgonnan Chasa-croma, ’sgios dhiubh; Struth de’n fhallus air am malaidh ’Toirt air talamh striochdadh. Luingeas bhioran aig na giullain Air gach linn’ an snàmh iad; Fear ’gan ligeadh, fear ’gan tilleadh Air gach iomall bàghain. Sud an iorram nach dian ciorram, ’Chuireas mir’air àite;— Coimhling loinneil ud na cloinne, Leam bu toil ’bhith ’m pàirt riuth. [TD 120] ’H-uile h-eag am bonn nan creagan Bothag bheag aig cloinn ann; Streathan shlige, blaighean phige, Badan riobag, loinn leo: ’Buain nam bileagan ’bu ghrinne Ann am mire soighneis, ’Togail luinneag air gach coileig ’Leigeil ruith le ’n aoibhneas. Ogain gheala feadh nam bealach Gur e ’n teanal grinn iad: Sud iad agaibh feadh nan lagabh Ann am baidean cruinn iad. Nall am mullach thar an tulaich, Dhaibh is ullamh sìnteag; ’Direadh chnoc, ’gearradh bhoc, Saor ’o lochd ’s o mhìghean. Ròn le ’chuilean air an t-siubhal, Co nach ludhaig spéis dha, ’S e cho measail air an isean Mu’n dian clibisd beud air. Ri ám cunnairt, sud air ’mhuin e, ’Falbh an t-sruth gu réidh leis; Gum bu tubaisdeach dha ’n duine ’Chuireadh gunn’ air ghleus ris. Sùlair amaiseach, a’s t-earrach Stigh ’an carabh tìr e, Tigh’nn ’an caise, ’sgiathan paisgte, Fear nach caisgt’ a chìocras. Thall ’s a bhos iad, cha’n’eil fois ac’, Sloistreadh crosd’ gun sgìos ac’; ’Cromadh, ’tomadh fo na tonnan, ’Lionadh bhronnan shios iad. [TD 121] Corr chas fhada, stob ’bun cladaich, ’Riochd ’bhith ragaicht’ reòthta. ’N ann fo gheasaibh ’tha i ’seasamh? ’M bi i ’feasd ’s an t-seòl ud? Cailleach ghlic i, cha do chleachd i Cluich ’an cuideachd ghòraich; ’Ragha suthainn ’bhith gun duine ’N cuid rith’ ’grunnach lònain. An sgarbh odhar, air tha fothail, ’Caradh fodha ’n clisgeadh. Dh-eoin na mara cha’n’eil fear ann ’Fhuair a char ’s an uisge. Aghaidh Staca ris na leacaibh Chithear feachd ri fois diubh: Sud ’s an uisg’ iad, ma ni mosgaid Losgadh clis ’n am faisge. ’H-uile cinneadh muigh air linnidh A ni imeachd tuinn deth: Bunabhuachaille a mhuineil, Binn a bhurral ciùil leam; Crannlach, ’s learga bhraghada dearga, Annlag fairg’, eoin-bhùchain, Iall de lachabh ’m fiath a chladaich, Riagh de chearcaill umpa. Ach b’e m’ ulaidh-sa dhiubh uile Té gun lurachd gann dith— Bòdhag chuimir cheuma grinne ’Sheasadh ionad baintighearn’. ’S i ’tha furachail m’a culaidh, Mu’n toir fliuchadh greann dith; Coltas silidh a’ bhith tighinn Tillidh i ’n a teann-ruith. [TD 122] ’S tric a shuidh mi ’m barr na beinne ’G amharc luingeas Ghallda Le’n cuid canabhas ri crannabh, Gum b’e ’n sealladh greannmhor: Sgoth a’ tilleadh, ’n ealta ’mire, ’Cromadh ’sireadh annlainn: Gum b’e ’sonas a’bhith fuireach Anns an innis sheannsail. ’S minig ’theireadh fear ’an inisg Gun robh ’n t-eilein stamhnte, ’H-uile duine, ’bh’ ann a thuineadh, Ann an ionad fainge: Ach ’s e ’chuir air barrachd lurachd— Air gach tulach ’s gleann deth,— Dion na tuinne a’ bhith uime ’Cumail ’muigh na h-anntlachd. KNOX AND THE RASCAL MULTITUDE [Beurla] [TD 123-136] [Beurla] [TD 137] [Beurla] ONE OF CLAN MURRAY [Beurla] [TD 138-145] [Beurla] [TD 146] [Beurla] DITHIS BHRAITHREAN (1) ANN an cladh Bhaile-chaisteil ann am Braigh-mhairr, faisg air Luchairt Ghaidhealach an Righ, chithear leac-lighidh air an leughair na briathreanso, “Chaith an t-Urramach Iain Mac Fheachair feasgar a laithean mur shagairt-taighe do bhrathar-athair Alaisdir Mac Fheachair Fear Inbher-idhe, (1) The Revs. John and Charles Farquharson, S.J. [TD 147] agus shiubhail e ann am Baile-mhorail air darna latha fichead de Mhios Toiseachd an Fhogair anns a bhliadhna 1782”. Agus aig iochdar na lice ciadna leughar “Chaochail an t-Urramach Tearlach Mac Fheachair air an deicheamh latha fichead de mhios Toiseachd a Gheamraidh anns a bhliadhna 1799, an déigh dha ’bhi na phears-eoglais a measg na Caitliceach air feadh na Gaidhealtach re ioma bliadna”. Tha na briathrean pongail so a leighadh a thuigsinn dhuinn nach robh e ’s an dàn gum biodh an da bhrathair so, bha co-ionnan nan driachd agus nan inbhe, dealaichte, seadh, anns an uaigh. B’iad so clann Luthais Mhic Fheachair, Achadh-an-Dreaghain, agus clann brathar de dh’ Fhear Inbher-idhe a dh’eirich Bliadhna Thearlaich. Ao-coltach ri’n sinnsir agus ris a chuid eile dha’n teaghlach, cha robh e orduighte guns biodh an dithis so a laimhsaichadh a chlaidhamh-mhor. Bha cogadh eile a feitheadh orre agus blair a bu chruadh-dalaiche agus a bha dol a mharsuinn na b-fhaide, no na dh’fhuilig am brathair Uilleam an deigh Latha Chuillodair. Rughadh Iain, am fear a bu shinne dhiu, air an naoidh-lath-diag do ’n Ghiblin anns a bhliadna 1699. ’N uair nach robh e ach gle og, thug e e fhein a suas agus choisrig e e fhein ann an Comunn Iosa ann an Tournai ann an rioghachd Bhelgium. An deigh dha crioch a chuir air ’oilean, fhuair Ordugh Naomh agus chaidh a chuir air ais do dh’ Albainn. Ruigh Dunedeinn mu dheireadh an Fhogair anns a bhliadhna 1726. An deigh sin, chaidh e do Shtrathghlais ann an siorruchd Ionarnis far an d’fhuiraich e re ioma bliadhna. ’S ann an so a chuir am feothas a dheadh-eolas air a Ghaidhlic air chor ’s gu’m bu sgoilear Gaidhlic e nach robh na b’fhearr ’s an duthaich ri linn. Cuir e cruinn [TD 148] moran de bhardach Oisein a fhuair e bho aithris-bhialean an t-shluaigh. Ach gu mi-fhortanach chaidh a shaothir a dholaidh le cion tuir agus mi-churam feadhnach aig robh eolas air a Ghaidhlic bheannaichte. Gus an latha ’diugh tha tuath Shtrathghlais, le aithris-bhialean na feadhnach a thainig mar a thainig iad a toirt ioma sgialachd dhuinn mu Mhaighstir Iain. Cha robh e air a sharachadh le tuille ’s choir do chuid an t-shaoghailsa. Bha gille, no clerach aige a bhiodh gu tric a talach air gainne an teachd-an-tir. Latha bha sid thuit do’n chlerach a bho’n tigh, ach co thainig a thun doruis an t’Shagairt ach diol-deirce bochd. Cha robh sian a stigh ach mias de mhin-choirce. Ach cha leigadh Mr. Iain creutair bochd air falbh bho ’dhorus gun deirc’ thoirt dhaibh. Ghlac e a mhias le miann leth a chodach a thoirt do’n diol-deirce. Ach, seall, gu dé a thacair! Thuit a h-uile grainne dhe’n mhin ann am malaid a chreutair thruaigh! ’Nuair a thug Mr. Iain fainear mar a bha’ chuis, rinn e glag-gaire, agus thuirt e ris a bhagair, “Tog ort, bi falbh mu’n d’thig an gille dhachaidh, agus thoir taing agus buidheachas do’n Fhreasdal gu’n robh thu cho fortanach”. Thainig an gille dhachaidh, agus mu thainig; bha e sgith, agus air acras agus fior chrosde. Chunnaic Mr. Iain gu’n robh fìor dhroch nadur air a ghille. Ciod a thairgeas e dha? Cha robh sian a stigh! Cha robh uibhir de mhin ’s dhianadh mias bhrochain do’n chlerach! Chuala’n clerach le corraich mar a thacair do’n mhin agus cha do chaomhain e a mhaighstir. Thuirt e ris nach robh gnothach ’s am bi aige a leithid de ni a dhianadh. “Bitheadh foighdinn agad agus cuir d’earbsa ’s an Fhreasdal” ars’ an Sagart, “maith a dh’fhaodte gu faigh sinn deadh-lon mu’n d’theid [TD 149] sinn a laidhe a nochd.” Ach cha robh a leithid sid de dh’earbs ’aig a ghille. Shuidh e aig taobh an teine le muig agus gruaim mhor air a ghnuis. Ciod ’tha sid? Bhuail cuideigin aig an dorus. Dh’eirich an gille gu mall agus chaidh e thun an dorus, agus co chunnaic e ach marcaiche a thilg maleid throm air, agus a theab an gille chur thar a chas. Dh’fhalbh am marcaiche as an t’shealladh gun smid a radh agus cha chualeas iomradh riamh tuille air. Dh’fhosgail iad a mhaleid ’s fhuair iad innte de gach ni a b’fhearr na cheile, air chor ’s gun robh sunnd’ agus cridhealas gu leoir air a ghille mu’n do ghabh e tamh an oichdh’ ad. Bha Maighstir Iain, mar a bha Rob Ruadh Mac Ghrigair, na chearnach-coille, ’s e sin ri radh, chaidh pris a chuir air a cheann, agus bha e an aghaidh an lagh dha a dhriachd a chleacadh mar phears-eaglais Caitliceach. Chaidh a chuir da thurus am priosan air na Seann Longa bha air Amhuin Lunnain. Uair a bha sid chaidh a bhrath agus a ghlacadh ’n uair a bha e tairgse suas Ard-Iobairt-na-h-Ifrionn. Thug na saighdearan air falbh e direach mar a bha e air eidadh na Chulaidh-Ifrionn. Turas eile chaidh a ghlacadh ann an Gleanncannaich. Thainig am brathadair air chulthaobh agus chuir e a lamh air a ghuailean ag radh. “’S d’thusa mo phriosanach ann an ainm an Righ.” Thug an Sagart suil thiamhaidh air a bhrathadair agus dh’aithnich e e agus thuirt e ris “mo thruaighe, Iain, mo thruaighe, gu dianamh d’thusa a leithid so, bithidh an lamh sin na h-aobhar bàis dhut fhathast” agus b’ann mar a b’fhior. Shearg an lamh sin agus a ghairdean. ’S e duine mi- [TD 150] fhortanach truaigh e fhein a dh’innis a sgeula so air leab’a-bhàis ann am Braighmhairr. Bha fior mheas mor agus cliu aig a h-uile duine air Mr. Iain agus air Mr. Tearlach. Chleachd Maighstir Tearlach a dhriachd ann an Gleann-gairne agus ann am Braighmhairr; agus mar a thacair dha’ brathair, chaidh pris a chuir air a cheannsan cuideachd. Latha bha sid, thuit de dh’Fhear Inbhir-chalde le a ghile-coise, a bhi ’gabhail sraide air bruach na h-aimhne, agus co chunnaic iad air an taobh-thall na shuidhe aig bun craige, air chul gaoithe ’s air aodun greine, ach Mr. Tearlach gu durachdach a leughaidh a leabhair. Thug an gille-coise duibh leum as, agus ghabh e thar na h-ainmhne. Shnaig mar nathair-nimhne gus an robh e air cul an t’shagairt. Chuir e a lamh air a ghuaille agus ghlac e e ann an ainme an Righ. Thog an Sagart a cheann agus thuirt e “M’eudail, an d’thusa th’ann, bitheadh foighdinn agad, fhir-chridhe, gus a cuir mi crioch air mo leasan agus falbaidh mi leat do chearna ’s am bi do’n t-shaoghal”. Chum Mr. Tearlach air a leabhair gus an do chuir e crioch air a chaibidal “ann an Ainm an Athair, agus a Mhic, agus a Spioraid Naoimh, ga chomharrachadh fhein le comharradh na Croise”. Nis, ’ille,” ars’ an Sagart, “ceana tha sinn a dol?” as thoiraich e air canntaireachd. “Cha’n eil cearn de Rinn-eorpa eadar air traigh is tir mòr Anns nach eil larach mo bhroig ’s gach ceum dheth Bha mi ’m Portugal thall, is cha b’e m’fhortan a bh’ann, etc.” “Feumaidh sinn,” ars’ an spailpeanach, ’s e air bhalbh-chrith leis an eagal, “dol thar na h-ainmhe thun Fear Inbher-chalde.” “Seadh, Seadh! mata,” ars’ an Sagart, “togamaid oirne.” Ach, cha rachadh Mr. Tearlach a stigh do’n [TD 151] amhain ach ann aite thogradh e fhein. Cha dianadh an t’aite so, no’n t-aite ad eile an ghnothach. Mu dheireadh thagh e an t-aite bu doimhne do’n amhain. ’N uair a bha iad mu mheadhan na h-aimhne, agus an t-uisge suas ri achlais an t’Shagairt (’s e duine mor a bh’ann a Mr. Tearlach, agus cha robh anns ghile ach creutair crionn leibideach) rug an Sagart air cul cinn a ghille agus air màs a bhriogais agus thum e thar a chinn anns an amhain e. Thug e sin an uachdar e, agus ghabh e beachd air cor a ghille agus chunnaic nach dianaidh aon tumadh eile cron ’s am bith dha (oir ’s e deadh-lighiche bh’ann a Mr. Tearlach) ’sios chaidh an gille rithist thar a chinn. Feadh ’s bha so a tachairt, bha Fear Inbher-chalde a gabhail mion-bheachd air na bha dol air aghart, agus cha mhor nach do chaile e a chli a gaireachdaich. Ghiulean Mr. Tearlach an creutair truagh is e leth-mharbh is dh’fhag e air toman boidhaich uaine e aig casan a Mhaighstir. Thug Fear Inbher-chalde sanas do Mhaighstir Tearlach, agus mu’n d’thainig an gille dha ionnsuidh fhein thug an Sagart a chasan as. Mar a thuirt mi cheana, bha cliu mor aig an t-shluagh air Mr. Tearlach, agus mar lighiche fhuair e ainm mor air feadh na dutcha gu leir. Ach bha’ dhoigh fhein aige air smior na firinn fhaighinn mu chor na feadhnach e bha easlainteach. Na biodh amhuras orre nach d’thigeadh an doigd ri Mr. Tearlach, cha ghabhadh ni a chunnaic iad riamh agus so aideachadh, agus is math a bha fios aig Mr. Tearlach air a so. Latha’ bha sid, chaidh a ghairn thun leanabh a bha’n coltas bàis. So agad a chiad cheist a dh’fhaighnaich e. “Am bi sibh a toirt gu leoir do bhainne do’n leanabh?” Dh’faighnaich e so, direach mar gum biodh amhuras [TD 152] aige gu’n robh iad ri dearmad mor anns an t-sheadh so. Fhreagair Mathair an leinibh agus thuirt i. “Le’r cead, tha e faighinn gu leoir de bhainne.” “Ach,” ars’ an Lighiche. ’N uair a bhitheas sibh a dianadh an ime, am bi sibh a toirt fuarag dha as a mhuidhe?” “Cho fior ris a bhàs, gu cead duibhse, Mhr. Tearlach,” ars’ a mhathair bhochd, “a h-uile uair a tha mi a dianadh ime tha mi toirt dha deadh fhuarag as a mhuidhe.” “Direach sinn, a bhean-an-taighe,” ars’ an Lighiche, “faodaidh sibh a nis a leinne-bhàis a cheannach le pris an ime, mhil thu goille an leinibh le’d chuid fhuaragan. Tha mi an earbsa gun gabh thu barrachd curam do’n chor do d’ chloinn.” Cha robh comhairle Mhr. Tearlach daonan a cordadh ri cuid do’n t-shluagh. Latha do na laithean sid, thuit dha a bhi gabhail a sios rathad Ghlinn-sithe, is chaidh iarraidh air suil a thoirt a stigh, anns an dol seachad, air bean tuathanaich airidh a bha gu bochd na slainte. Chaidh e stigh agus chuir e failte an latha air an teaghlach. Dh’fhaighnaichd e ceist no dha air an te a bha tinn. Thionndaidh e ri fear an taighe agus thuirt e. “Fheargais, gabh mo chomhairle agus cuir ealach chlach air a muin agus saodaich i a suas gu mulach Beinn-Ghuilibean.” Cha’n eil n’ion a radh nach d’fhuair e taing na buidheachas airson na comhairle so. Goirid an deigh bàs na mnatha so, thacair fear-eolais a mhuinntir Bhraighmhairr air agus dh’fhaighnaich e dheth. “Gu dé sid a chomhairle a thug sibh do dh’Fheargas Mac Fhionlaidh mu dheibhinn a mhnatha—ealach chlach a chuir air a druim agus a saodachadh gu mulach Beinn-Ghuilibeann?” Fhreagair Mr. Tearlach agus thuirt [TD 153] e. “Na’n do ghabh iad mo chomhairle bhiodh i maireann an diugh, oir bha iongarachadh mor an taobh as stigh dhi, agus a reir coltais, leis a stri, bhristeadh e agus bhiodh i slan fallain an diugh.” ’N uair a bhiodh Mr. Tearlach dol mu chuairt feadh na duthcha, mar phears’-eaglais agus mar lighiche bhiodh mi-fhortain gu leoir na luib. Cha robh cuid an t-shaoghail a cuir a bheag do dhragh air. Gu’n bhonne sia ruadh na sheilbh, ghrios e, lath’bha sid, an t-aisig air portair Prostanach. “Cha’n eil sgillinn ruadh agam,” ars’ esan, “ach a chionns gur gille og thu, bheir mi dhut comhairle ’s fhearr na airgiod no òr, na pos aon-nighean banntrich, no sgoileam, no idir te a chul-chainaidh.” Aig an àm ad, fhuair na Duthaich seilbh air roinn mhor de dh’oighreachd Bhraighmhairr, agus bha iad a toirt e h-uile oidheirp air “poachairachd” a chuir a sios. Latha bha sid dh’fhalbh an t-Iarla e fhein a dh’aon obair a choimhead air Mr. Tearlach, los a chuidachadh agus a chomhairle fhaighinn gu crioch a chuir air a “phoachairachd”. Fhuair an t-Iarla an Sagart trang ag obair. Bha e togail dìg Ios gu ’n cumar an amhain a mach as a chroit aige. Chuir an t-Iarla failte an latha air an t-Shagairt, “Ciamar a tha sibh an diugh, a Mhr Tearlach?” “Tha mi, gu cead duibhse, ann am breacadh, is tha sibh ’gam fhaicinn trang ag obair,” arsa Mr. Tearlach. “Am beil fios agaibh ciod a chuir an so mise an diugh.” “Mata, cha’n eil,” fhreagair Mr. Tearlach. “Thainig mi,” ars’ an t-Iarla, “a dh’aon obair los gun d’thugadh sibh dhomh mo dhinneir.” “Mata ’s e ’ur deadh-bheath’ e,” arsa Mr. Tearlach, “ach leigaibh leum falbh agus innseadh [TD 154] do’n bhean-taighe los gum bi rudeigin aice deas air arson.” “Cha leig gu dearbh,” ars’ an t-Iarla, “esan a bheir cuiradh dha fhein, bitheadh buidheach le ’chuibhrionn.” Nam biodh fios aig Mr. Tearlach an gnothach a thug an t-Iarla sid an lath’ad, dh’iarradh e air a bhean-taighe ceithramh de shithonn a bh’anns a phot a chuir air leth-taobh. Ach cha fhuair e cothrom rabhadh a thoirt dh’i. ’N uair a thainig an t-am, chaidh iad a stigh le cheile agus shuidh aig bord. ’S gann a bha iad na’n suidhe, ’n uair a thainig bean-taighe an t-Shagairt a stigh, gu neo-chionntach, le spag an fheidh aice air aisid mhoir. Chuir an t-Iarla gruaim air agus thuirt e “Ciamar, Ciamar a thainig so a dh’ionnsuidh do laimh?” Fhreagair Mr. Tearlach agus thuirt, “Le’r cead, agus a dh’innseadh na firinn dhuibh, ’n uair a thig a h-aon agus ultach aige air a ghairdean cha bhi mi cho mi-mhodhail ’s gun fhiosraich mi dheth c’aite an d’fhuair e e”. “Glé cheart,” ars’ an t-Iarla, “agus an uair bheir a h-aon cuirradh dha fhein gu lòn a ghabhail ann an tigh fir-eile, ’s beag a choir a th’aige fhaighnachd ciamar a thainig a leithid de ghnothaiche an matha air a bhialthaobh.” Chaidh an t-Iarla dhachaidh an lath’ad gun ghuth a thoirt air a ghnothach a thug ann e. Air latha tiodhlachaidh Mhr. Tearlach, ’n uair a bh’ an comhlan air an t-shlighe gu cladh Bhaile-chaisteil, co thacair air a ghiulan ach an t-Iarla e fhein, is e air muin eich. Leum e thar an eich agus ghlac e a cheannadach na laimh agus thuirt e. “Bheirinn rud a chunnaic mi riamh, gu robh mi coltach risan: bhithean deonach air bhi far a bheil esan”. [TD 155] Bha’ bharrachd ’s beachd chiadna agus bha iad mar-an-ciadna am beachd gun robh Mr. Tearlach a caitheadh crun a b’aillidh agus a bu ghile na Iarla ’s am bi ann an Albinn. Buaidh agus piseach air fear na cathrach! GILLEASBA’ MAC DHOMHNUIL’IC EOBHAIN. CELTIC RENAISSANCE AND INDUSTRIAL REVIVAL [Beurla] [TD 156-164] [Beurla] [TD 165] [Beurla] URNAIGH RI NAOMH COLUM CILLE In nomine Patris et Filii, et Spiritus Sancti. Amen. Beannaichte gu’n robh an Trianaid Naomh agus neo-dhealichte a nis agus gu siorruidh. Amen. Tha mi ’coisrigeadh nan tri Chaoil (Caol nan dùirn, Caol na cuim, agus Caol nan cas) mar chuimhneachan air Naomh Colum Cille. Tha mi ’coisrigeadh nan tri chaoil, ’s gach ni a th’agam an lathair Nh. Cholum Chille, ’s nam Naoimh Gàidhealach uile. Spero in Deo quoniam adhuc confitebor illi; salutare vultus mei et Deus meus. Gloria Patri et Filio et Spiritui Sancto. Tha mi ’tort aoraidh is glòire do Dhìa an diugh [TD 166] (no an nochd). Glòir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh. Mar a bha, ’s mar a tha ’s mar a bhitheas fad shaoghal nan saoghal. Amen. Tha mi ’coisrigeadh Caol nan dùirn. A Naoimh Cholum Chille! Guidh gu grad, ’s gu buileach, ’s gu dùrachdach; guidh gu tuath, ’s gu deas; guidh an ear agus an iar; guidh a nuas agus shuas, a bhos agus thall; guidh air ais, ’s air aghaidh, h-uig agus uaithe, agus gu là bràth. GUIDH MAR ÉIRIG Air Casan Chrìosta cho geal ris a ’bhainne. Air Glùinean Chrìosta cho làidir ri carraig. Air Anart-bàis Chrìosta cho soilleir ri cèo. Air Uchd Chrìosta cho suaineach ri tonn Air Guaillean Chrìosta cho farsuing ris na beanntain Air Bèul Chrìosta cho iomlan ris an fhlùr. Air Suilean Chrìosta cho caoimhneil ri dealradh na greine dol fodha Air Falt Chrìosta cho bachlach ris an t-sruth. Air Gàirdeanan Chrìosta cho sùbailte ri bannan Air Meoir Chrìosta cho ceannasach ri na speuraibh ’S air A Cheann Naomh. Pater noster qui es in coelis. Sanctificatur nomen tuum. Adveniat regnum tuum. Fiat voluntas tua sicut in coelo et in terra. Panem nostrum quotidianum da nobis hodie. Et dimitte nobis debita nostra sicut et nos dimittimus debitori-bus nostris. Et ne nos inducas in tentationem. Amen. Tha mi ’coisrigeadh Caol mo chùim. GUIDH MAR ÉIRIG Air A Bheus Air A Dhilseachd Air A Charranachd [TD 167] Air A Gheimnidheachd Air A Chiùineachd Air A Mhàldachd Air A Thrèine Air A Mhisneachd Air A Mheasarachd Air A Fhulangas Air ’Irisleachd ’S air A Bhochdas ro-naomh. Fàilte dhut A Mhoire! Tha thu làn de na gràsan. Tha an Tighearna maille ruit. Is beannaichte thu ’measg nan mnài, agus is beannaichte toradh do bhronn, Iosa. A Naomh Mhòire, Mhàthair Dhé, guidh air ar son-ne na peacaich a nis, agus aig uair ar bàis. Amen. Tha mi ’coisrigeadh Caol nan cas. GUIDH AIR SGATH A Bhreith naomh is fhìor-ghlàn. A Leana bas gun ghaoid. A Bhaisteadh A Thraisg dà fhichead latha agus da fhichead oidche, agus a bhuaireadh. Nan ochd beannachdan. A Thaghadh an dà-fhear-dhìag Naoimh. A Chaochladh cruth air a bheinn A Bhrath le Iudas. A Dhiteadh agus a bhinn eucoraich A Bhàs agus a thiodhlacaidh ’Aisereigh, ’s agus dheas-ghabail ghlòrmhor. Ann an ainm Iosa, Chrìosta ar Tighearna, éiream (no, gabham gu fois). Na seachd reultan ’gam stuiradh An Dà-fhear-dhìag ’gam sheoladh. Na Còig lotan ’gam dhionadh Na trì sanasan ’nam cluasan Sìth nan seachd Eaglaisean ’gam cuairteachadh. An aon Dìa ’gam riaghladh Sgiath chreidimh os mo cheann [TD 168] An claidheamh soluis air m’aghaidh Facal Dé air mo chultaobh M’Aingil choimhdich làmh rium An Spioraid Naomh maille rium A nis agus gu sìorruidh. Amen. Triath nan Triath. Amen. ’Iosa! beannaich, stiùir agus gléidh mi, agus thoir mi gu beatha mhaireannaich. A Cholum Chille! guidh air son na h-Alba, ’s air mo shon-sa. Amen. MÒRLAMH. ST. MARGARET AND MALCOLM THE GREAT [Beurla] [TD 169-182] [Beurla] [TD 183] [Beurla] MALLACHD THE following is a translation of a curse composed by an Irish poet in the Co. Kerry in Ireland about sixty or seventy years ago. The translation is pretty literal. The original begins:— Bruadair Smiot a’s Glin, Amén a Mhic, an triúr— Nara cian go rabhaid (1) fa leacaibh, Go marbh, faon, fuar san úir. Amén. Bruadair Smiot a’s Glin, Go fánach, singil, fuar, Amén a Righ na n-Aingeal; A’s go tréith-lag truithill truagh. Amén. (1) i.e., nar bhfada gu’n robh iad. [TD 184-186] [Beurla] [TD 187] THE SHIELD AND THE MAN [Beurla] [TD 188-196] [Beurla] [TD 197] IRELAND AND SCOTLAND [Beurla] [TD 198-206] [Beurla] [TD 207] Guth na Bliadhna LEABHAR I.] AN SAMHRADH, 1904. [AIREAMH 3. FRANCE AND HER FORMER ALLIES [Beurla] [TD 208-214] [Beurla] [TD 215] [Beurla] SGIALACHD GHARAIDH MA ta bha na boirionnaich a bh’ aig na Fiantaichean—na mnathan aca—gu tuiteam as a cheile le blonaig is le saill. Bha na Fiantaichean air ion ’s a bhith air thogail. Cha robh fios ciod e ’bha ’toirt do na mnathan a bhith cho trom ’s cho reamhar, ’s iad fhéin a bhith cho lag fann ’s a bha iad. Bha na Fiantaichean a’ dol do’n tràigh ’o’n chiad tràghadh gu letheach lionaidh–fhad ’s a gheibheadh iad maorach ann. ’S i sgeilm-sa ’rinn Garaidh. “Leigidh mi orm gu bheil mi bochd an diugh, ’s gheibh mi mach ciod e ’n seol-bidhe a th’ aig na boirionnaich a bhith cho reamhar, ’s a tha iad is sinne cho caol ’s a tha sinn.” Chaidh na Fiantaichean do’n tràigh, is feadhainn diubh gu tir-mor do Ghleann-Eilge, is feadhainn do’n fhearann ’tha mu choinneamh Chaol-Arcainn. Bha Garaidh ’so anns an leabaidh ’se bochd. Chruinnich na boirionnaich, is dh’fhalbh iad do’n tràigh. Bha maorach beag anns an tràigh—’se maorach-Moire ’their sinne ris,—is lion iad an sgùird leis a mhaorach a bh’ann an sin. Thug iad leotha ultach an sin de’n dubh-stamh, agus sgriob agus ghlan iad carraig an dubh-staimh. Bhruich iad am maorach; thug iad am biadh as; is phronn iad [TD 216] carraig an dubh-staimh. Bhruich iad carraig an dubh-staimh, ’s am maorach ann am measg a cheile, ’s rinn iad miasan air. Agus ’se sin a nis am biadh a bh’ aig na mnathan a bha ’gam fagail cho reamhar.–’S fhad ’o chuala sibh gun robh smear-conaig an fheidh ann an carraig an dubh-staimh. ’Nuair a dh’ich iad sin, thug Garaidh an so smoisleachadh as, agus sios bha na boirionnaich air a mhuin, ’s bha iad ag ràdh nan leigte ’bheo leis gun innste do na Fiantaichean am biadh a bh’ acasan, ’s nuair a gheibheadh na Fiantaichean a mach sin, cha-n fhàgadh iad maorach air traigh nan dubh-stamh ri cloich gun a thoirt as ’sa bhith ’ga bhruich. Rug iad an sin air Garaidh, ’s rinn iad naoi gadan figheachain air a ghruaig, agus dh’fhuaigh iad ris an ùrlar ceann Gharaidh le naoi deilgnean daraich. Rug iad air a chlaidheamh aige fhéin gus an ceann a thoirt dheth. Thug e cruinn leum as, is lean craicionn a chinn agus a ghruag ris an urlar, agus dh’fhalbh e, ’s cha robh mac bothaig’ a bh’ aig na Fiantaichean ann an Sleibhte nach do chuir e ’na theine. Bha sneachd òg ’o ’n oidhche ann, ’s chunnaic na Fiantaichean na bothagan ’nan teine, ’s mach a ghabh Reatha, ’s thug e ’n caolas air, ’s chuir e ’n t-sleagh fo ’uchd, agus le ’chudthrom fhéin ann am miadhoin a chaolais, bhrist an t-sleagh, agus bhàthadh e, agus riamh ’o latha sin lean Caol-Reatha air a chaolas sin; agus Caol-Arcainn—bhrist an t-sleagh le Arca fo chudthrom, agus ’am miadhoin a chaolais bhàthadh e fhéin, agus ’o ’n latha sin tha Caol-Arcainn air a chaolas sin. Thainig an so na Fiantaichean dhachaidh, ’s cha robh bothag riamh a bh’ aca nach robh ’nan teine. “’Se,” osa Fionn, “Garaidh dubh a rinn so.” [TD 217] Ach fhuair iad sràbh na fala ’bha ’cheann a’ sileadh air an t-sneachd, agus lean iad sràbh na fala riamh gus an d’rainig iad bial uamha. Bha Garaidh air a dhol a stigh ’an comhair a chùil, ’s ’nuair a chaidh e stigh greis thionndaidh e aghaidh air ceann na h-uamha; agus ciod e ’rinn e ach gun d’rug e air calman, agus choisich e stigh astar beag eile, agus rug e air dà chalman eile. Chaidh e fhéin do cheann na h-uamha an sin; ’s’nuair a thainig na Fiantaichean thun na h-uamha thuirt Fionn an so ri Aodh mac Gharaid: “Falbh agus thoir a mach d’athair as an uaimh”. Dh’fhalbh Aodh; ’s nuair a chrom e thun na tràghad, thill e far an robh Fionn. “Tha lorgan m’athar,” os esa, “a’ falbh as an uaimh.” “O falbh thusa,” osa Fionn, “’s gum bu shuarach air miarailtean Gharaidh dhuibh a dhol a stigh ’an comhair a thòin.” Chaidh Aodh a stigh, ’s air dha ’dhol a stigh leig athair os calman, is thill Aodh an so a mach far an robh Fionn, agus thuirt e ris: “Nam biodh m’athairse ’s an uaimh nach biodh calman beo innte.” “O falbh thusa,” osa Fionn, “’s bu shuarach air miarailtean Gharaidh dhuibh breith air calman beò innte.” Chaidh Aodh an so a stigh, ’s air gréis dha ’dhol a stigh leig athair as na dhà còmhla. Thill Aodh gu Fionn, is thuirt e ris: “Ged a bheireadh m’athair air calman cha bheireadh e air a tri bheò.” “Falbh thusa,” osa Fionn, “agus thoir a mach d’athair.” Dh’fhalbh e sin, is fhuair e athair ann an ceann-shuas na h-uamha. “Suithad a nis Aoidh,” osa Fionn, “is thoir an ceann bhar d’athar le Mac-a’-Luin.” “’Bheil idir,” os Aodh, “gin ann a bheir an ceann bhar m’athar ach mise.” “Cha-n ’eil,” osa Fionn. “Bheir thusa dheth e, is gheibh thu d’iarrtas.” [TD 218] “Ma gheibh mise m’iarrtas,” os Aodh, “cuir thusa ceann m’athar air do shliasaid.” Cha do dh-fhàg Mac-a’-Luin fuigheall beuma riamh ’chaidh m’a choinneamh. Nan cuireadh Fionn ceann Gharaidh air a shliasaid reachadh Mac-a’-Luin tromh shliasaid Fhinn, ’s bha Fionn bho fheum an uair sin. “’N ta,” os na daoine, “cladhaichidh sinne fad agus liad cas Fhinn anns an tràigh. Cuiridh sinn tri sailthean daraich air muin cas Fhinn, agus cuiridh sinn ceann Gharaidh air muin nan saillthean.” Rinneadh sin, agus rug Aodh mac Gharaidh air Mac-a’-Luin is tharrainn e e, ’s chuir e ’ni ceann bhar athar, is chaidh e tromh na tri sailthean gus na choinnich an tràigh barr Mhic-a’-Luin. Ghabh Aodh an sin misg-chatha, is dh’fhaighneachd e de dh-Fhionn: “Co air a dhiùghlas mi mo chath?” “Diùghlaidh,” osa Fionn, “air an làn sin a tighinn a stigh.” Thòisich Aodh an uair sin air an làn air ciad! lionadh gu ciad tràghadh, is thuit a fhéin marbh an sin air ciad tràghadh. ’S e sin an rud bu duilghe le Fionn a rinn e riamh—an gaisgeach a b’fhearr a bh’ aige a chur mu làr. A. McD. NORMAN DAVIE [Beurla] [TD 219-234] [Beurla] [TD 235] [Beurla] FUADACH AN T-SHLUAIGH “CHA till mi tuille”. Cha’n eil ann port a chluicheas a phiob cho tiamhaidh ris a phort so, gu sonraichte, n’uair a tha am fear-ciuil a toirt soraidh dhaimhsan a tha’ cuir cùl gu brath ri duthaich an gaoil an aghaidh an toil. ’S ioma sealladh bronach a chunnaic an fheadhainn a thainig mar a thainig [TD 236] sinne anns gach cearna do’n Ghaidhealtachd, air tir-mor, cho mhath agus anns na h-Eileannan. Chaidh an sluagh a chuir air falbh as an duthaich ge b’oil leo, le uachdarain ghionach, shanntach, chruaidh-chridheach. Agus cha b’e leasachadh air a chuis gu’n robh Ard-luchd-riaghlaidh na rioghachd, cha’n ann gu dearbh a bacadh a leithid so do ghiulan, ach a brosnachadh nan uachdarain agus a toirt a h-uile cothrum dhaibh gus an aingidheachd so a chuir an ghniomh gu neo-thoirteil. Ach chi sinn ciod a b’aobhar do ’n droch-bheart so. Mu dheireadh na h-Ochda-Linn-diag, agus aig toiseachd na Linn-so-chaidh, bha Breatunn a cogadh an aghaidh America agus an aghaidh na Frangach anns a Spainnd, agus ann am Flanders, air chor agus deachaidh stad a chuir air malairt eadar Breatunn agus na duthchannan ad. Ciod a thachair? Tha thath ’s bhuil! Dheirich prisean bathair anns an duthaich. Mheudaich luach muilt-fheoil agus mart-fheoil agus ioma seorsa de mharsantachd eile. So agad cothrom nan uachdarain! “Cuiridh sinn air falbh an sluagh, ni sinn frith agus fasach dhe’n duthaich, fuadaichidh sinn an sluagh as gach gleann agus strath, as gach eilean agus machair, agus nan aite cuiridh crodh agus spreidh, meanbh-chrodh agus feudail. Bheir sinn dachaidh ciobairean gallda, agus caoirich mhora, agus ni sinn ar fortan, oir ‘cha’n e h-uile latha ’bhios mòd aig Mac-an-Toisaich,’ gheibh sinn a nis prisean mora.” Bha na h-uachdairain dileas do’n droch-bheachdsa. ’S gann gu bheil cearna dhe’n Ghaidhealtachd as nach d’fhuadaich iad an sluagh na’ miltean. Chaidh na fogaraich thruaghe so thairis do dh’ Astralia, do Chanada, do dh’ Alba Nodha, do New Zealand, do Charolina agus do Staidean eile ann an America, agus tha an dachaidhnean aig [TD 237] an tigh an diugh nan lairaichean anns gach cearna do’n duthaich. Gabhamid a nis dur-bheachd air a ghnothach so. Breithnaichaidhmid air doille, air aineolas agus air dorchadas-inntinn Ard-luchd-riaghlaidh na rioghachd, a bha ’leasachadh a leithid do dhol a mach. Aig an àm air a bheil sinn bruidhinn, ’s gann gu’n robh teaghlach anns a Ghaidhealtachd aig nach robh aona-mhac, agus coir uair dithis no triuir a leanailt an airm mar dhreuchd. Ach an deigh sin ’s na dha dheth, ’n uair a bha iad a cogadh ann an armailt Bhreatunn, ann an tir-chein, agus a cogadh gu buadhar cuidachd, ’n uair a bha reisimeidean Gaidhealach a faighinn a leithid de chliu agus do mholadh thar chaidh airson an gaisgeachd, bha’n dachaidhnean ga’n losgadh thun a bhlair, an athair na sheann laitheann agus a mathair gaolach, am peathraichean agus am braithrean ga’n fuadach a duthaich an sinnsireachd, ag eisdeachd ris a phort thiamhaidh “cha till mi tuille” O! nach b’iad an sluagh gun tur ar luchd-riaghlaidh a bha ’leasachadh a leithid de dhiol a dhianadh air an t-shluagh. Nach math an airidh, gur gann a gheobhar an diugh gille Gaidhealach anns na reisimeidean Gaidhealach a fhuair a leithid de chliu ’n uair a bha gaisgeaich unnda. Cha’n fhaigh gu dearbh ach graisg lebidach nam bailtean mora, a tha tuilleadh ’s leisg airson cosnadh mur dhaoine onarach eile. Neo-thaing dhaibhsan, mata, a dh’fhuadaich an sluagh as na glinn, agus as na h-eileannan, oir tha’n fheadhainn a dh’fhag an duthaichna na ’s cothromaiche an diugh, math dh’fhaodte, bhiodh iad, na’n robh fhathast aig an tigh. Ach c’aite bheil iadsan agus an sliochd a dh’fhuadaich an sluagh as an tir? ’S gann gu bheil oighreachd air fad na Gaidheal- [TD 238] tachd ann an sealbh sliochd na feadhnach a chuir an sluagh air falbh as an tir. Chithear so anns gach siorramachd anns a Ghaidhealtachd—ann an siorrachd Rois, Ionarnis, agus Arraghaidheal. C’aite bheil sliochd nan uachdarean a bha ann am Muidart, ann an Arisaig, agus ann a Cnodart ann an Sleate, ann an Uibhist-a-chinne-Tuath, agus ann am Benabhaoil, ann an Uibhist-a-chinne-Deas, agus ann an Erisgaidh, agus ann am Barraidh? Dh’fhalbh iad! Thug iad an casan as! Caite bheil sliochd! na feadhnach a chaidh fhuadach as Ghaidhealtachd? Tha iad gu cothromach anns gach cearna de dhi Impireachd Bhreatunn! Nach math agus nach buidh dhaibhsan gu’n deachaidh am fuadach as an duthaich so! Seadh ach thachair so mar a their na Romanaich “præter intentionem”. Cha’n e math an t-shluaigh bha miann nan uachdarean ach a mach fhein. Bha iad cearta coma ciod a dh’eireadh ris an tuath na biodh am pailteas de thiginn-a-stigh aca fhein. Seall, mar a thachair. ’S ann direach mar so a chraoibh-sgaoil Breatunn an Creideamh Catliceach anns gach cearna anns labhairar a bheurla. Chaidh an sluagh fhuadach a Eirinn, ach ma chaidh thug iad leo an Creideamh do gach aite ’s an deachaidh iad; ach cha b’e so miann na feadhnach a chuir air falbh iad. Rach do Staidean America, do Chanada agus do dh’Astralia fiach a faigh thu aon chreideamh s’am bith is lionmhore na creideamh nan Eirionnach. Feumaidh sinn aideachadh, gu bheil a reir coltais, cor na feadhnach a chaidh fhuadach, moran na’s fhearr, mar a ’s tric, na cor na feadhnach a chaidh fhagail aig an tigh. Ged a tha gu leoir de dh’fhearan anns an duthaich so, miltean acair- [TD 239] fearainn fo fheidh agus fo mheanbh-chrodh, tha’n sluagh dol bàs le bochdainn fearainn. Gus o chionn beagan bhliadhnachan, ’s gann gu’n robh tighinn-beo idir aig na croitairean anns a Ghaidhealtachd. Bha mal trom, agus na dianadh a h-aon ’s am bith fearas-taighe air croit, agus na’n togadh tigh ùr dha fhein, bha e an dara cuid an cunnart barlinn, no gu’n reachadh barrachd mail a chuir air. Ach a nis, taing do’n Fhreasdal, thainig atharrachadh mor air cuisean. Faodaidh iad fearas-taighe a thogaras iad a dhianamh air an criomag-fhearainn, faodaidh iad tighean ur a thogail dhaibh fhein, agus is ioma tigh grinn a chaidh a thogail o’n a fhuaras an t-shocair so, agus cho fad ’s dhiolas iad a mal, cha’n eil comas aig uachdaran air thalamh aona chuid pris a mhail a thogail no barlinn a thoirt dhaibh. Ach, mo thruaighe! Co a chunnaic riamh a leithid de dh’fhearann ’s th’aca ri oibreachadh! mur a biodh iad dichioleach, trailleil, ga leasachadh le stamh, agus le rod is beag an toradh a bheireadh iad as an fhearann. Dh’fhlabh an tuath as an tir. Chaidh a nead a chreach anns an deachaidh na gaisgaich arach a chuir Impireachd Bhreatunn ri cheile. Oir, c’aite am biodh ard-inbhe Bhreatunn an diugh mar a biodh dha’ na reisimeidean Gaidhealach? Co aige a bhiodh Innsean-an-arde-Ear, co aige a bhiodh Canada, co aige a bhiodh taomh deas Africa? O! doille agus dorochadas-inntinn ar n’ Ard-luchd-riaghlaidh! Gabhaidh mi dhanadas orm fhein, agus bheir mi comhairle thurail do mhuinntir na Parlamaid, agus their mi riuthe “Ma’s miann leibh gu mair ard-inbhe Bhreatunn agus a h-Impireachd, thugaibh gu grad fearann dha’n t-shluagh anns a Ghaidhealtachd (oir tha gu leoir ann dheth); [TD 240] agus araichaibh gaisgeaich a chogas air taomh Bhreatunn anns gach blar buadhach”. Thig an latha ’n uair a thilgeas na “Colonies” dhiu braighdeanas Bhreatunn direach, mar a rinn America roimh so. Ciod an taobh air am bi sliochd na feadhnach a chaidh fhuadach as an duthaich? Am bi cuimhne aca air an diol a chaidh a dhianadh air an fheadhainn a thainig mar a thainig iadsan? Dh’fhalbh Impireachd na Greuge agus na Roimhe, agus falbhaidh Impireachd Bhreatunn la air chor-eiginn. GILLEABA’ MAC DHOMHNUIL’IC EOBHAIN. CELTIC RENAISSANCE AND INDUSTRIAL REVIVAL [Beurla] [TD 241-249] [Beurla] [TD 250] [Beurla] IONNDRAINN ALBA THE author of the following verses is known in Mabou, Cape Breton, as Iain Mac Dhòmhnuill Mhic Iain, or John MacDonald, son of Donald, son of John. He emigrated from the Braes of Lochaber in the year 1834, and died in his adopted home about fifty years ago. He came out in the ship Janet, which sailed from Tobermory, and landed her passengers at a port formerly known as Ship Harbour, now Hawkesbury, on the Strait of Canso (a narrow strip of water which separates Cape Breton from the mainland of Nova Scotia). So much I gather from a song composed by him shortly after his arrival in this country. It runs in couplets, the first, second, and last of which are:— An Tobar Moire thog sinn siul, ’S ghabh sinn cùrsa bho’n chòrs’. ’Fagail Albainn na stùc Bha sinn tùrsach gu leoir. Dh’fhàg sinn “Seonaid” Ship Harbour ’S càball fo sròine. The land to which “Iain Sealgair” came in the early thirties was but newly settled. Here, as [TD 251] elsewhere, colonial life, in its early days, was marked by a certain freedom from restraint, which verged at times upon lawlessness. It must not, however, be supposed that the scene depicted by the bard in the sixth stanza was one often to be witnessed, even in those early days. The great bulk of those who came hither from the Highlands and Islands of Scotland were simple, frugal, sober people, full of faith and of the holy fear of God. “Led by God’s hand,” as Father Donald Xavier MacLeod, himself a convert from Presbyterianism, so well says in his History of the Devotion to the Blessed Virgin in North America, “hither they set sail from the shelter of towering Scaur-Eigg, from the shadow of sacred Iona, from Mull and wild Tiree, from Uist and Skye, of gray mists, From Ulva dark and Colonsay, And all the group of islets gay That guard famed Staffa round. Hither our forefathers came, with their utter impossibility of enduring a spy, with their marrow-bred loathing of informers, with their thousand-year-old incapacity for servility… MacDonald and his ‘yellow-stick’ disregarded; their beloved mountain land, with its passionate seas, resigned; for God’s sake, they crossed the Aiseag Mòr, the ‘Great Ferry,’ the Atlantic, and sought new homes for themselves; always, however, without asking sympathy, without complaint, still resolute, unsung, unmentioned in speeches, their deep woes known to their God and to them, known and remembered by both.” I leave your readers to judge the merits of “Iain Sealgair’s” verses. To me, at least, they seem not unworthy of a place in Guth na Bliadhna. [TD 252] In them the feelings of an exile from Scotland find a voice. They tell of the heart-hunger of our Highland forebears for the old home they loved so well—the hunger that distance did but deepen and time could not allay. ALEX. MACDONALD, P.P. ST. ANDREWS, ANTIGONISH CO., NOVA SCOTIA. IONNDRAINN ALBA Thoir soraidh bhuam a nunn thar chuan ’S air chuairt gu bràigh nan gleann, Gu tir na buadh, ged ’s fhada bhuam i Tìr na fuar bheinn àrd; ’S e bhi tàmh an àite Phoor A dh’ fhàg mo shùilean dall ’Nuair sheòl mi ’n Niar ’s a thrial mi ’n tir A Righ! gur mi bha ’n call. Dh’ fhàg mi ’n dùthaich, dh’ fhàg mi ’n dùchas, Dh’ fhàn mo shùgradh thall Dh’ fhàg mi ’n t-àite bàidheil, caomh, ’S mo chairdean gaolach ann; Dh’ fhàg mi ’n tlachd, ’s an t-àite am faicte Tìr nan glac, ’s nan càrn ’S be fàth mo smaointinn, ’nuair nach d’fhaod mi, Fuireach daonan ann. Dh’ fhàg mi cuideachda nam breacan, B’ àlainn dreach ’s tuar Armuinn ghrinne, làidir, inich Gillean bu ghlaine snuadh Fir chalma, reachdach, gharg, ’s iad tlachd-mhòr Bu dearg-daite an gruaidh, Luchd-an-éileidh ’nam an fheuma Leis an éireadh buaidh. [TD 253] Bhiodh Dòmhnullaich ’nan éideadh gasda. ’S cha cheum air ais bhi o dh ann Luchd-fhéileidh ’s ghartan, ’s chota ’n tartan Osain bhreachd nam ball. Le ’m boineid ùra dhubh-ghorm, dhait’, Air thus am mach ’nan ranc B’ iad féin na seòid nach geil ’s iad beò ’S bu tréun an comhraig leam. A nis o’n thréig gach cuis a bh’ ann ’S mi seo am fang fo cheò, An tìr an t-sneachda, ’s na fir sheacaihd Cha b’ e ’chleachd mi féin; S’ e’ bhi ga faicinn, na fir chairtidh Chrainntidh, ghlas, gun bhrìgh Triusair farsuinn, sgiùrsair easag. ’S cha b’ e ’fusan grin. Chi thu còisreadh aca ag òl ’S a ’stòir, ma theid thu ann Daoine bòsdail, ’s iad ri bòlaich Gòrach leis an dram An àite rapach, poll fo ’n casan Stòpan glas ri ’n ceann A rùsgadh dheacaid dhiu, ’s ga srachadh ’S iad mar phaca chèard. B’ e sud m’ aighearsa ’s mo shòlas Crònanaich na’ fiadh, Mu Fhéill-an-roid, bhi tighinn a chòir An fhir bu bhòidhche fiamh Bhi falbh nam bac, ’s ga sealg ’s na glacan Nuair bu daite am bian ’S tric a tholl mi mac-na-Eildeag Seall ma ’n éireadh grian. [TD 254] Air maduinn dhriuchd bu mhiannach leam Bhi falbh ’s mo chù ri m’ shàil, Le m’ ghunna dubailte nach diult Nuair chuirinn sull ri h-eàrr Luaidh ’s fudar, chur na smùid B’ e cheard dha ’n tug mi gràdh Feadh lùban cam ’s aig strath na beann ’S am bi ’n damh seang a fàs. ’S truagh a Righ! nuair chuir mi cùl Ri m’ dhùthaich le m’ thoil féin Bha mi ’n dùil, ma ’n àite as ùr Nach faighte cùis ’gam dhìth Ach còir air fearann, òr, ’s earras Aig gach fir a bh’ innte Bha chùis ad ballach orm a falach Mheall mo bhanail mi. Thùg mi gion nuair bha mi òg, ’S gur e bhi ’n còir nam bean Ach am bliadhna bho ’n a thriall e Dh fhàg sud liath mu cheann Saoilidh cach gu ròbh mi gòrach Nach ròbh eòlach ann Thug mise spéis do dhamh na cròic ’S a chaoidh ri m’ bheò cha chiall O ’n chuir gach cùis a bh’ ann rium cùl Ged thug mi rùn dhaibh rìamh Cha chluinn mi dùrdan maduinn driùchd Am barran dlùth na sliabh Cha loisg mi fudar anns na stucan ’S cha chuir mi cù ri fiadh ’S tinn dhomh ’bhi na’s tric air m’ ùrnaigh ’S leannachd dluth ri Dia. [TD 255] THE TREE AND THE MAN [Beurla] [TD 256-264] [Beurla] [TD 265] [Beurla] NA GÀIDHEAL AGUS NA CRUITHNEAICH A RITHIST. Tha mi gu tur ’am barail, mar a tha Mr. Robertson e-fhéin, an uair a tha e ag ràdh, “much of the mystery and confusion enveloping the subject under discussion may be traced to the names themselves, which are as arbitrary and unreal in their nature as that of German, applied by us alone to the people called Allemands by the French, Schwabe by the Magyars, Niency by the Slavonians, and by themselves Deutch; a name which we again apply to the Hollanders”. (1) A réir mo bharailsa, bha na Gàidheal agus na Cruithneaich ’nan aon sliochd; agus leis a sin gu bheil dà ghinealach Ghàidhealach a mhàin ann am Breatuinn an diugh—’s e sin ri ràdh, na Gàidheal agus na Breatunnaich. ’S i seo is ciall do’n chreideas a chuir seo ’am bheachdsa. Thug na Romanaich “Picti” mar ainm air Gàidheal thuathach na h-Alba. A réir cleachdadh na teanga Romanach, cha’n e sliochd idir a tha’m facal seo ciallachadh, ach luchd-dàthaidh, ’s e sin ri ràdh Cruithneaich. A’ leanachd a chleachdaidh gu b’uileach am measg nan Gàidheal, chuir na (1) Scotland Under her Early Kings, vol. ii., Appendix L. [TD 266] Gàidheal Eirinneaich dàth air an colunnan-ne mar an ceudna. A réir nan seannachaidhean, thug na Gàidheal Spàindeach (1) buaidh air na h-Eireannaich, ’s air na h-Albanaich cuideachd, R. C. 1080. (2) Tha e air a ràdh le Tighearnach gun do rìghich ann an Eirinn, nuair a bha Conn air an caithair-rìoghaill, seachd righrean nan Cruithneaich. Sgrìobh Nh Isidore, (3) nuair a bha Alba agus Eirinn ’nan aon dùthaich, ag ràdh. “Scoti, propria lingua, nomen habent a picto corpore, eo quod aculeis ferreis cum atramento variarum figurarum stigmata annotentur.” (4) Rìnn na Gàidheal agus na Cruithneaich cairdeas ri a chéile gu tric, ’s gu sònraichte nuair a bha iad a’ cath an aghaidh an armailt Romanach. Thàinig crioch air an ainm “Picti” an deigh dhaibh an creideamh fhaighinn; oir an uair a ghabh (1) Na Milidhean, no luchd-Miledh. (2) “As to the Milesians or Scots, the whole current of our legends and chronicles bring them from Spain, or perhaps more strictly speaking, from the shores of the Bay of Biscay, between the mouth of the Loire and Galicia… The discovery by Grimm of the Gaedhelic character of the language of Acquitaine, affords an important support to the Irish traditions” (O’Curry, Roimh-radh, Leabhar i., taobh 66). “That they were a fair race is beyond doubt.” A réir nan seannachaidhean Romanaich, mar sin bha na “Picti” (no Cruithneaich) Albanach. (3) Origines, L. ix., c. 2. (4) “There can be no mistake about the people to whom he alludes, for elsewhere he says, ‘Scotia eadem et Hibernia… quod a Scotorum gentibus colitur, appellata’ (L. xiv., c. 6). As at the period when Isidore wrote—he died in 636—self-painting was obsolete in Ireland, he must be repeating the statement of some long-forgotten authority of an earlier age; and I cannot see how the inference is to be avoided that the Scoti were once known in their own language by a name derived from the habit of self-painting; in other words, by the name of Cruithnech” (Robertson, L. ii., t. 363). [TD 267] iad ris, chur iad air chul an cleachdadh a bh’ aca a bhi dàth an colunn. Cha’n ’eil dad idir aig na sennachaidhean Eirinneaich ri ràdh mu’n bhuaidh a thug Gàidheal na h-Eirinn air na Cruithneaich, a réir nan sennachaidhean gallda. Cha’n ’eil e dùilich a thuigsinn ciamar a chuir Gàidheal na h-Eirinn aon dhe’n righrean féin air cathair-rìoghaill na Cruithneaich, ma robh iad ’nan aon slìochd. Tha e ro dhùilich gu dearbh an gnothach seo a dheanamh so-thuigsinn ann an dòigh ’s am bith eile. Mur robh “the social system outlined by the Book of Deer” (1) mar a bha e le Gàidheal na h-Eirinn, bha e gu deimhinn ceart choltas ri sin. Thug Gàidheal na h-Alba uile “Gàidheal” (2) mar ainm orra-féin—ainm a tha beò gus an là diugh. Cha robh feum aig Nh. Colum Cille air eadatheangair (3) ach dà uair, nuair a bha e ann an dùthaich nan Cruithneaich a’ teagasg ’s a’ mhinicheadh nan Sgrìobturean. (4) (1) The Highlanders of Scotland. Excursus le Mac Bheathainn, t. 400. (2) “Albanach,” ’s e sin ri ràdh “Scotsman”. Tha na Gàidheal Albanach agus Gàidhealach, ged nach ’eil na h-Albanaich uile na Gàidheal. (3) Bho’m facal seo, tha Robertson a deanamh a mach gun robh “interpres” is leughair ’nan aon briathran, mar a tha e ag ràdh mar a leanas. “The ‘Interpres’ probably melted gradually into the Fear-leiginn or Lector” (L. ii., t. 381). (4) “In Adamnan’s Life of Columba the Saint is represented as baptising on one occasion an aged Pict of Skye named Artban primarius genois cohortis; and on another quidem plebius, after they had respectively ‘received the word of God through the interpreter’—verbo Dei per interpretem recepto—and it has therefore been concluded that Columba was ignorant of the Pictish language, which must consequently have differed essentially from Gaelic. As Mr. Skene, however, has justly remarked [TD 268] Tha freumhag Gàidhealach (cha’n e Breatunnach) aig gach ainm-àite, agus aig gach ainm-fhìr Chruithneach a th’ann. Fhuair, gu coslach, Cruithneaich na h-Alba an laghannan leantuinn-rìoghaill bho na Cinneaich a bh’ann, nuair a thug iad féin buaidh air an dùthaich seo. Is cinnteach gu bheil a’ mhòir chuid do Ghàidheal ann an Alba an diugh a bhith tighinn a nuas bho na Chruithneaich—’s e sin ri ràdh bho Ghàidheal na h-Alba, ’s na h-Eirinn, a thug buaidh air na h-Eireannaich ’s air na h-Albanaich R. C. 1080. Tha Bede air a ràdh, “haec in praesenti, juxta numerum librorum quibus Lex Divina scripta est, in his History of the Highlanders, the interpreter is never met with except in connexion with the Verbum Dei—the Scriptures—and in his conferences with Broichan and the Druids, in his interviews with King Bruidi, when he rescued the man imperilled by the marvellous sea-monster in the Ness, and on various other occasions, Columba appears to have had no difficulty in conversing without the intervention of any such functionary, and for all ordinary purposes his Gaelic seems to have been sufficiently intelligible. The earlier monasteries, and Ireland afforded no exception to the general rule, often contained vast assemblages of monks, sometimes numbered by thousands, the majority of whom were probably illiterate, and incapable of reading or understanding the Scriptures written in a foreign tongue; and accordingly there was often an official whose especial business was to read the allotted portion of ‘the Word of God,’ or to translate it, for the edification of the unlearned brethren, and who was generally known as the Interpreter… There are no means of ascertaining the acquirements of Columba, but if he resembled his illustrious predecessor St. Patrick, who laments in his confession his want of familiarity with Latin, he may not have possessed the power of rendering the Latin Scriptures fluently into Gaelic at sight, and for such a purpose he would have required the assistance of his Interpreter, such being probably the reason why this personage never appears on ordinary occasions when the Saint had to speak, or to listen to, Gaelic” (L. ii., t. 380, 381). [TD 269] quinque gentium linguis unam eademque summae veritatis et verae sublimatis scientiam scrutatur et confitetur, Anglorum, videlicet, Brittonum, Scotorum, Pictorum, et Latinorum, quae meditatione Scripturarum caeteris omnibus est facta communis” (Hist. Eccles., L. i., c. 1). O na briathran seo tha’n t-Olh. Mac Bheathainn is beagan eile deanamh a mach gun robh teanga nan Chruithnach air a cainnt féin; ach cha’n’eil seo idir dol eadar sinn agus a bhith a’ creidsinn gun robh a’ Ghàilig is an teanga Chruithneach ’nan aon cainnt. Tha dithis theangannan Gàidhealach againn an diugh, ’s e sin ri radh, beurla na h-Alba is beurla na h-Eireann, araon seo agus sin “a’ leasachadh fhoghluim na fìrinne nèamhuidh”. Ach gu bheil Ghàilig na h-Alba ’s Ghàilig na h-Eireann gu fìor ’nan aon cainnt, ged nach urrain do mhuinntir na h-Eirinn ’s do mhuinntir na h-Alba daonann a bhith tuigsinn a chéile. Bha ’pàganachd na h-Alba, ’s a ’pàganachd na h-Eirinn ’na h-aon phàganachd. Mur ’eil an teanga Cruithneach ’na Gàilig, ciamar tha e a tachairt gu bheil moran àiteain-meannan ann an Eirinn ris an abrar “Pictish” leis an Oll. Mac Bheathainn, ’s a chàirdean-sa? Tha moran bhriathran Chruithneach—ainmeannan-àiteachan—ann an Eirinn, agus, a réir Oll. Mac Bheathainn, tha iad sin far nach robh na Cruithneaich riamh ann. BARPA. [TD 270] THE AFFAIR OF THE LITTLE SPOTTED DOG [Beurla] [TD 271-277] [Beurla] [TD 278] [Beurla] QUAINT INGLIS [Beurla] [TD 279-283] [Beurla] [TD 284] [Beurla] THE BOOK OF DEER: ENTRY NO. 2 [Beurla] [TD 285] [Beurla] “Cómgeall mac éda dórat úaorti níce fúrené docolumcille acusdrostán. Moridac mac morcunn dorat pett mic garnait accusáchád toche temni. Agusbahé robomormaír acusrobothosec. Mataín mac Caerill dorat cuit mormoir inálteri, acusculíí mac batin dorat cuit toíség. Domnall mac gíric acusmalbrigte mac chathail dorat pett inmulenn dodrostán. Cathal mac morcunt dorat áchad naglerec dodrostán. Domnull mac ruádri acus malcolm mac culeón dorastat bidbín dó día acusdódrostán. Malcoloum mac [Beurla] [TD 286] cinathá dorat cuit rííg íbbidbín acusinpett mic gobróig acusdádabíg uactaír rósábard. Malcolum mac moilbrigte dorat indeclerc. Málsnecte mac lulóig dorat pett maldúib dó dróstan. Domnall mac meic dubbacín robaíth nahúle edbarta rodrostán arthabárt áhule do. Robáith cathál árachóir chetna acuitíd thoisíg acusdorat próinn chet cecnolloce acusceccasc do dia acusdó drostán. Cainnéch mac meic dobarcon acuscathal doratsat alterín alla úethé na camone gonice in béith edarda álterin. Dorat domnall acuscathál étdanin dó dia acusdó drostán. Robaíth cainnec acusdomnall acus cathál nahúle edbarta ri dia acussrí drostán othósach goderad issáere omor. Acus othosech culaithi bratha.” [Beurla] [TD 287-300] [Beurla] [TD 301] GUTHAN O’N TAOBH THALL “FHIR-DHEASAICHE IONMHUINN, “Fhuair mi bhur litir maduinn an dé, agus gu fior thug i mor aoibneas dhomh. ’S taitneach a sgeul do na cridhichean Gàidhealach a tha ’g aidmheil a chreidimh a fhuair a sinnsreadh bho Chalum-Cille gu’m beil paipeir-naigheachd ac’ la nis dhaibh-fhein; paipeir anns a leugh iad a chainnt ’s an deachaidh an creideamh a theagasg air thus air feadh nan garbhchrioch. “’S ged tha sinne air taobh eile a chuain, fada, ’fada o Thir an Fhraoich, tha a Ghaidhlig air ar teanganaibh, agus blath nar cridhichean tha an creideamh a fhuair sinn o na gaisgich a chaidh fhuadach bho’n dachaidh ghaoil air aobhar an dleasnas ’s an dillseachd. Agus, bheannaich Dia, iad-fhéin ’s an sliochd los gum beil ann an Canada seachd Easbuigean do’n cinneadh; agus ged is sloinneadh Frangach a th’aig fear dhuibh, an t-Ard-Urramach Tearlach Eobhann Gauthier, D.D., Ard-Easbuig Baile’n-Righ, labhraidh e gu finealta a Ghaidhlig, cainnt a mhathar-sa. Anns an sgireachd so fhein, sgireachd Antigonish, tha againn air thùs agus air thoiseach an t-Easbuig Camshron, Gaidheil a dhlùth ’s a uachdar, a choisinn cliu dha’-chinnidh ’s dha chreidimh air feadh na dutha gu leir, agus maille ris ceithear fichead sagart ’s a tri, ’s dhiubh so ’s Gaidheil leth-cheud ’s a h-ochd, agus bruidhnidh iad so uile gu leir Gaidhlig, ach aon fhear a thainig a Albainn! Bheir so dearbhadh dhuibh air cho Gaidhealach ’s a tha Albainn Ur, ’s air cho laidir ’s a tha ’n Creideamh Caitliceach n’ar measg. [TD 302] “’S beag an t-ioghnadh ma tha ged a bheireamaid failte chridheil do Ghuth na Bliadhna, agus cha’n’eil teagamh ’n uair a gheibh sinn a mach ma dheidhinn gun cuir moran a dh-iarraidh a phaipeir mar tha mise ’deanadh an drasda. “Bhur caraid dileas, DOMHNUILL M. MACEAMUINN. “CHURCH OF THE SACRED HEART, SYDNEY, CAPE BRETON, CANADA. Latha Bealltuinn, 1904.” “FHIR-DHEASACHAIDH, Tha cabhag orm failte a chuir air Guth na Bliadhna. Cuiribh sios m’ainm an drasd, agus cuiribh ugam, ma ’s urrainn dhuibh, dusan eiseamplair gus a bhith ga fheuchainn do fheobhainn eile, gus an cuir iad eòlas air. Bu choir dhuibh iomad fear-gabhail fhaighinn ann Canada. A réir chunntas-chuinn 1901, bha 2,228,997 Caitliceaich ann Canada. Dhiu seo, bhuinneadh 129,578 do dh’Alba Ùr. De’n thuile seorsa, bha 142,207 ann Alba Ùr de Ghàidheil. Tha leth co dhiu de’n aireamh seo ’nan Caitliceaich. Tha Caitliceaich eile gu leòr dhiu ann an Eilean Prionns’ Eideard. Tha crathadh math cuideachd anns na mòr-roinnean eile. Tha mar sin aireamh nach beag anns an tir-àiteachas seo, dha’m bu choir gabhail ri Guth na Bliadhna gu cairdeil. ’S Caitliceaich iad do fhriamh Albannach, agus ’sann gu math an t-sheann Chreideamh anns an t-sheann tìr fhathast a clo-bhualadh, gun teagamh, thig iomad copi thar cuan. Slàn leibh an drasd, agus buaidh ’s piseach air Guth na Bliadhna. GÀIDHEAL CAITLIGEACH CANADACH.” [TD 303-308] [Bheurla] [TD 309] Guth na Bliadhna LEABHAR I.] AM FOGHAR, 1904. [AIREAMH 4. SWORD AND PEN [Beurla] [TD 310-315] [Beurla] [TD 316] BOBAN SAOR ’S ANN an Eirinn a bha e ’fuireach. ’Se saor geal a bh’ann. ’S bha e ’n a chlachair a cheart cho math. ’S ann dha rinneadh a chiad tàl ann an Eirinn no ’n Albainn. Cha robh tàl aig duine-riamh gus an d’fhuair e fhéin e. Ghabh na saoir ann an Eirinn gamhlas da ’s e ’dianamh rudan a dh’fhairtlicheadh orra fhéin. Chuir iad rompa gun dianadh iad suas arm da a chuireadh bho fheum e. A h-uile ball-acfhuinn a bh’ aig na saoir—mar a tha ’n locair ’sa ghilb—’si ann a’ cur bhuapa a bha iad. Dh’iarr na saoir air na goibhnean arm a dhianamh a bhiodh a’ tighinn’ g’a ionnsuidh fhéin ’s gun gearradh e e fhéin ’s gun cuireadh e e fhéin bho fheum. Rinneadh an so tàl dha, ’s bha deagh fhaobhar air. ’Nuair a fhuair Boban ’na dha laìmh e, ’sa bhuail e air snaidheadh leis, bha e cho math leis ri aon arm a fhuair e riamh. Cha d’fhuair e arm riamh gu’n d’fhuair e ’n tàl. Bha mac diolain aig Boban, ’s bha e ’g a chun ann an duiliochd, ’s e sin cha robh e ’gabhail ris. Cha do ghabh e ris riamh, gus an robh e suas ri còig-bliadhna-diag. Bha e mach as an fhoghlum, is as an ionnsachadh a bha e ’faotuinn. ’Nuair a bha Boban ’g a fhaicinn, mar a bha e ’m bichiontas, chòrd e ris mar ghille reachdor tlachdor. Thuirt e ris fhéin ’s an àm sin gun reachadh e air tòir a ghille. Thuirt a mhàthair ris gum b’e làn dì-a-bheatha, ach e ’phàidheadh air a shon. Thug e leis dhachaidh e. Smaointich e ’n sud latha gun cuireadh e air falbh an gille le treud chaorach g’ an reic a dh’fhiach ciod e ’n gliocas a bh’ann. Dh’iarr e air [TD 317] na caoraich a reic, ’s na caoraich ’s an t-airgiod ’thoirt h-uige-san air ais. Ged a dh’fhalbh an gille bha ’chùis a’ cur ioghnadh air cia mar a ghabhadh an gnothach dianamh. ’N deaghaidh sin, ghabh an gille comhairl’ athar. ’H-uile duine beò ’choinnicheadh e, dh’fhoighnicheadh iad c’àite ’n robh e ’dol leis an treud. Chanadh an gille gun robh e ’dol ’gan creic. “De’n seol creic a th’ agad orra?”—theireadh a h-uile duine ris. “Dh’iarr m’athair orm na caoraich ’san t-airgiod a thoirt leam dhachaidh;”—os esa. A h-uile duine ’chluinneadh sin, cha robh iad ag gabhail gnothach ris ach ’ga leigeil seachad. Thachair an sin boirionnach mòr sgafarra ris, is dh’fhoighneachd i c’àite ’n robh e ’dol leis an treud. “Tha mi ’dol ’gan creic,” os esa, “ach cha-n ’eil fhios agam cia mar a ’reiceas mi iad: ’s gun do dh’iarr m’athair orm na caoraich ’s an t-airgiod a thoirt leam dhachaidh.” “O seadh, ’ille thapaidh,” os ise, “dh’iarr d’athair rud ceart gu leoir. Beir thus’ air na caoraich dhomhsa is ceannaichidh mis’ iad.” Chuir e ’n cù mu chuairt air na caoraich, is thug e seasamh orra, is bhuail e air breith orra. Thug ise mach deamhais bho ’crios, is bhuail i air an rùsgadh. ’Nuair a bha i ullamh, cheangail i ’chlòimh suas, ’s chuir i ann am pocannan i, is thug i dha ’n t-airgiod, is thill esa ’n taobh bho’n tàinig e. Bha athair a’ coimhead a mach fiach am faiceadh e ’tighinn e. Ghabh e ’n a choinneamh, ’s ’nuair a chunnaic e na caoraich, dh’aithnich e gun d’ rinn an gille ’n gnothach. Dh’fhoighneachd e co ’cheannaich na caoraich bhuaithe. Dh’inns’ an gille. Dh’fhoighneachd e c’aìte ’n robh i ’fuireach. Thuirt e nach robh fìos aige. “An aithneadh tu ’m boirionnach nam faiceadh tu i?” “Dh’aithneadh glé mhath.” [TD 318] “An gabhadh tu gnothach ris a bhoirionnach fad buan do shaoghal nam faigheadh tu i?” “Ghabhadh agus taing air son a faighinn” “’S fhearr dhuinn tilleadh air falbh ma ta, agus ’s dòcha gum beir sinn oirre air an rathad mum faigh i dhachaidh leis a chloìmh.” Chuir iad na caoraich a stigh do phaìrc, ’s ghabh iad air aghaidh. Rug iad air a bhoirionnach, is chaidh iad ’na còmhail. Tharrainn iad suas rithe. Thuirt Boban Saor: “Tha thu ’tarrainn air aghaidh leis a chloìmh. C’àit’ an d’fhuair thu i?” Thuirt ise: “Fhuair air an rathad mhòr bho leithid so de ghille air ainm ’s air a shloinneadh.” Dh’fhoighneachd e an gabhadh i gnothuch ris a ghille fad buan a saoghal, ’s thuirt ise gun gabhadh nam faigheadh i e. Thionndaidh e ris a ghille, is thuirt an gille gun gabhadh es’ ise, ’s gur a h-esan a dhianadh sin. Thuirt Boban rithe gum bu bhargan e ma ta, ’s gun robh cho math na h-eich iomain a dh’ionnsuidh a thaighe fhéin. Ghabh iad an so uile gu tigh Bhobain Shaoir. Fhuair Boban aìte dhaibh, is phòs e iad le pears-eaglais. Bhuail athair an sin air ionnsachadh na ciùirde ’bh’ aige fhéin dha. Bhiodh e ’so a’ falbh còmhla ris fhéin dha na h-uile cearn. Dè bha ach thàinig fios air a Lochlainn e ’dhol a thogail caisteal. ’N latha a dh’fhalbh iad an so, dh’fhàg iad slàn aig a mhnaoi ’an dùil nach tilleadh iad gus an tilleadh iad aon uair. Thug iad leotha ’n t-eallach air am muin. Cha robh iad fad air falbh uile gu leir gus an tuirt Boban ris gun robh ’n t-àm aca cnap a thoirt as an eallach. Thuirt an gille nan tugadh iad sud as an eallach gum biodh e ’dhìth orra fhéin a rithisd. Thuirt Boban ris mur toireadh iad cnap [TD 319] as an eallach gun tigeadh orra tilleadh dhachaidh. Air dhaibh tilleadh, bha ’bhean a stigh romh ’n ghille. “Ciod e rud a thill thu?” os ise. “Bha m’athair ag ràdh gum feumamaid cnap a thoirt as an eallach, ’s bha mise ’g ràdh gum biodh feum againn fhéin air a chnap ud a rithisd.” “Cuin a bhios sibh a’ falbh fhathasd?” os ise. “Bithidh ’màireach.” Thuirt i ris gun robh e furasda gu leoir dha ’athair a riarachadh anns an dòigh ud. “’Se’n cnap a thoirt as an eallach do cheann a thoirt as an iris-mhuineil ’s gun leigeadh sibh ur n-anail.” ’Nuair a dh’fhalbh iad an sin an lath-air-na-mhàireach thuirt Boban ri mhac: “Giùlain thusa mise ’n diugh, agus giùlainidh mis’ thus am màireach.” “Cha’n urrainn domh,” os an gille. “Mur a h-urrainn ’s fheudar dhuinn, tilleadh dhachaidh an diugh fhathasd,” osa Boban. ’Nuair a ràinig iad an tigh, dh’inns’ an gille ciod e ’thug orra tilleadh. Thuirt a bhean ris gun robh e furasda gu leoir dha sud a dhianamh, gun robh athair a’ ciallachadh esan a chumail suas seanchas ris air a h-uile rud a chunnaic ’s a chual’ e riamh; ’s gum biodh iad a’ faireachduinn an astair na bu ghiorra, ’s gum biodh an inntinne na bu toilichte air an t-slighe. Dh’fhalbh iad an so lath-air-na-mhàireach, ’s thug iad leotha beagan acfhiunn is chum an gille bruidhinn ri ’athair mar a bha ise ’g iarraidh: cainnt agus còmhradh mar a bha e ’g ionnsachadh bho ’oìge bha e ’gabhail sin ri’ athair. Thoìsich Boban lath-air-na-mhàireach air an leithid eile innse dha mhac. Ràinig iad uidh air n-uidh mar sin Lochlainn. Nochd iad ris an duin’ uasal. Chaidh e ceum [TD 320] ’nan coinneamh. Dh’aithnich e taghte gur a h-iad, iad so an fheadhainn a bha e ’g iarraidh. Cha robh fios aige co am mac seach an t-athair. Cha robh tuar orra gun robh mìr acfhuinn’ aca. Am beagan a bh’aca ’s ann ’nam pocannan a bha e aca. Thuirt e riutha gun robh iad car fadalach, ’s gun robh mòran obair ri dhianamh, ’s gun robh mòran dhaoine ’g obair air a chaisteal, ’s ged a bha fhéin gun robh an cuid fhéin a’ feitheamh orrasan. Dh’fhoighnich e dhiubh co bu dhiubh am maighistir, am mac no ’n t-athair. Thuirt Boban gur e ’n gille ’bha ’na mhaighistir, gum b’ e fhéin an gille. ’Nuair a ràinig iad bonn a chaisteil, sheall iad os an coinn. Rinn na saoir a bha gu h-àrd glag gàire, ’nuair a chunnaic iad coltas an dà amadan a bha ’so a’ ruighinn gun acfhuinn, gun sian aca. Dh’iarr Boban Saor air a mhac dìreadh do’n fhàradh. Chuir an gille, ’nuair a ràinig e gu h-àrd a làmh ’na phòc, ’s thug e mach tora beag, agus òrd beag. Dh’eubh am fear a bha gu h-ìseal ciod e ’chnag a bha dhìth air. Thuirt esa ris gur ’e cairteal na h-òirlich de dhealg a bha e ’g iarraidh. Rug Boban Saor, an uair sin, air sàbh beag biodach. Thug e h-uige cnag, ’s chuir e air ealaig i. Shàbh e rud as a chnaig, agus thòisich e air na dealgan a thilgeadh as leis an tuaigh, ’s ’gan tilgeil suas os a chionn lion fear is fear thun a ghille; agus cha robh a h-aon duibh ’dol ’an tasard (‘tuiteam seachad no ’dol a null na nall). Bha ’n gille ’cur an ceann anns an toll, is ’bualadh buille de ’n òrd orra ’s bha e diante. ’Nuair a bha na saoir eile a’ faicinn an dol-air-adhart a bh’aig an dithis dhaoine, sheas iad, is ghabh iad ioghnadh. Dh’aithnich iad an sin gun robh e cho math dhaibh falbh is fuireach, ’s nach reachadh iad faisg air an dithis a thàinig. Chrom iad as na h-àraidhean, is [TD 321] thog iad an tuarasdal as na rinn iad, is theich iad. Dh’fhàg iad an caisteal mar a bha e aig Boban Saor ’s aig a mhac. Dh’ullaich Boban Saor ’s a mhac an caisteal air an ceann fhéin leotha fhéin. Thuirt Boban an so gun robh ’n Caisteal gus a bhith uile dheiseal. Ach leis an ùine a bha iadsa ’g obair, bha mòran tuarasdail ri ’thoirt dhaibh, agus b’fheàrr leis an duin’ uasal an cur gu bàs na ’m pàidheadh a thoirt dhaibh. Ach ciod e mu’n do dh’fhàg Boban ’s an gille ’n tigh chomhairlich a bhean do’n ghille leannan a bhith aige ’ga bri àite ’n tàrladh dha ’bhith. Bhuail an gille air suirghe mar gum bitheadh e air nighinn a bha ’s an tigh mhòr mu’n robh e ca-la-diag ’an Lochluinn. Cha robh an nighean a’ cur teagamh ’s am bith nach pòsadh e i. Fhuair an nighean a mach ann an diomhaireachd an diol a bha ’n duin’ uasal a’ dol a dhianamh orra, is dh’inns’ i dhasan e ’nuair a bha e ’cumail làimh rithe. ’Nuair a fhuair an gille so a mach dh’inns’ e dha athair e. “Tha sin coltach gu leoir,” os athair, “ach bheir sinn a chur as a sin, ’s cha bhi ’n ùine-fada.” Thuirt Boban an so ris an duin’ uasal a chiad uair a chunnaic e e, mar a bha daoine ann an cabhaig ’an àm fàgail an taighe gun do dh’fhàg e acfhuinn aig an tigh a chuireadh air dòigh barr nan stuadhannan, ’s gum feumadh e fhéin ’s a mhac falbh ’ga h-iarraidh air neo mac an duin’ uasail fhéin. “Cha-n ’eil ann am mhacsan,” os an duin’ uasal, “ach beadagan gille nach ’eil a’ dianamh car obrach, agus cuiridh sinn air falbh e ’nar n-àitesa, agus fanaidh sibhse gus an criochnaich sibh an obair.” “’Nuair a bhitheas do mhac deiseal cuir [TD 322] h-ugams’ e, ’s gun inns’ mi dha mar a dh’iarras e ’m ball-acfhuinnsa.” ’S e ’n gille ’thog an ùgag air air son falbh do dh’Eirinn, ’nuair a dh’iarradh air. Chaidh e ’stigh far an robh Boban, is thuirt Boban ris. “’Nuair a ruigeas tu ’n tigh, iarraidh tu air a bhoirionnach car-mu-char a thoirt dhuit, agus car-an-aghaidh-cuir: is ni sin an gnothach.” Dh’fhalbh an gille, is ràinig e Eirinn; is fhuair e mach an tigh, is dh’inns’ e ’cheann-turuis. “’S fhior sin, gheibh thu sin gu toilichte,” os am boirionnach. “Gabh a nuas mar so, mo ghille math ’s gum faigheadh tu e.” Ghabh ise sios, agus esan as a deaghaidh. Chaidh i ’stigh leis gu seòmar, is leum i thun an dorius, is thug i dha car-mu-char, is car-an-aghaidh-cuir le car a chur anns an iuchair ’s an dorus, is ghlais i an sud e. Chuir i ’n gille ’bha leis air falbh dhachaidh, is thuirt i ris e dh’innse do ’n duin’ uasal nach riachadh an acfhuinne bheag a null gus an tigeadh an acfhuinn mhòr a nall. Fhuair Boban ’sa mhac an so an tuarasdal, ’s chaidh iad dhachaidh, ’s leig iad air falbh mac an duin’ uasail. ’S e dh’fhàg bean a ghille cho ro-fhiosrach gun tug i aona-bhliadhn’-diag ’an sgoil-duibh. IAIN MAC AN TAILLEIR. THE CHURCH AND NORMAN DAVIE [Beurla] [TD 323-332] [Beurla] [TD 333] [Beurla] SEUMAS A GHLINNE AN aithne dhuibh an Apuinn? Ciod an Apuinn ’tha thu ciallachadh: an i Apuinn-a-Mhèinearaich, no Apuinn-Mhic-Iain-Stiubhart? Gun teagamh, ’s i Apuinn-Mhic-Iain-Stiubhart tha’m bheachd! Matà, ’s ann dhomhsa ’s aithne. Nach ann a rugadh mi, ’thogadh mi agus a chaidh m’àrach. Cha’n ’eil ceum eadar Clach-Tholl, agus an t-Innean air nach ’eil mi glé eòlach. Rachinn, ’s mo shùilean dùinte suas Achadh-nan-Conn ann a Gleanna-Comhan nunn thar Gleann-lic-na-Muidhe, sios Gleann-Creran rathad Choire-Mhinn; dh’fhagainn Màm-Mucaidh agus Màm a Staing, agus Sallachail air mo lamh-dheas. Chuminn air mo cheum eadar an Eileirig agus Gleann-Iubhair, gus a faighinn aoidheachd ann a Fas-na-Cloiche. Bheirinn sùil, ’s an dol seachad air a Mheinn, agus air Glasdrum mo shinnsearachd. Tha Tarra-Phocain agus Druim-a-Mhuich air taobh thall na h-aimhne, ach fàgaidh sinn a sìd iad. Rachinn ceum thar an rathaid aig Creag-Chuirrailean, suas ri aodan a bhruthaich, agus chuirinn a [TD 334] suas urnaigh airson mo luchd-daimh, agus theirinn bho ghrunnd mo chridhe. “Gu’n d’thugadh Dia fois agus tàmh dhaibhsan ’tha’n so fo’n fhoid.” Chuminn air mo cheum. Rachinn seachad air Cridh-eagan, agus air an t-Shithean. Rachinn a suas rathad Chinn-loch-a-Lathaich, dh’fhaginn Ionar-na-h-Aile air an lamh-dheas, agus Port-na-h-Apuinn agus Ard-nan-Clach air an lamh-chlith, far am b’àbhaist do na Caimbialaich bheaga ’bhith, sìol Iain duibh Ghlinne-Feochain. Bheirinn sùil ’s an dol seachad air an Eaglais-nodha, agus air Port-na-Croise. Gheibh thu nis sealladh air Eilean-Shuinna, Eilean-bhaile-nan-Gobha, agus air Camus-na-Cùil, far am b’àbhaist de dheadh iasgach a sgadain a bhith. Sid agad, a Ruin! Cinne-Ghearloch air an taobh ad thall. Ach, gu dé stairirich, agus a sgreuch oillteil tha sid air mo chulthaobh? Nach ’eil, gu cead duibhse, an “Train”. A Dhia beannaich sinn, ’ni ann mar sin a tha’ chuis? So agad, fhir-chridheil an uamh-bheist a bhiodh iad a faicinn bho shean! Gabhaidh sinn, mata, an “Train,” agus cuiridh sinn crìoch air ar cuairt. Chaidh sinn air bòrd, agus thug a bheist sgreuch eile eisde a theap mo chridhe a chuir as a chochull, agus dh’fhalbh i, ’s mu’n robh fhios againn c’aite an robh sinn, dh’fhàg sinn Tigh-na-h-Apuinn agus Litir-Shiunna air ar cùl, agus ann am priobadh na sùla, bha Dail-na-Tràghad air ar culthaobh cuideachd. So a Chill, cladh cho sean ’s tha ’s an dùthaich. Tha sgrìobhadh air leac-lighe ’tha sid nach ’eil cho fìrinneach an diugh ’s bha i mu’n d’thàinig an t-each-iarruinn an rathad so. Tha i ag ràdh, “Fhir a theid seachad a suas, coimhead a nuas ad dheigh a oir bha mis’ uair is bha mi cho luath riut fhéin”. Sid, thall a sid, a Chuil-Uaine air an lamh-chlith. [TD 335] So agad Achadh-a-Charra, far a b’àbhaist do dh’ogha bhrathar-mo-sheannar a bhith, Domhnuil-mac-Iain-Leath, lighiche cho ainmail ’s a bha anns an dùthaich. So an nis an Innseag. Chi thu thall a sid air do laimh-dheas Achadh-a-Chairn, agus, os a chionn, Achadh-nan-Darrach. A mach shuas braighe Achadh-nan-Darrach, chi thu Gleann-Durar; ach mu’n cuir sinn crìoch air a ghnothach so, bithidh a bharrachd againn ri’ràdh mu’n ghleann ad. Ann am priobadh na sula, chaidh sinn seachad air Tigh-nan-Tom, far am b’àbhaist de dh’ Fhaidhir-Dhurar a bhith. So agad Lag-na-h-Àth. Thoir ’sùil a mach, agus chi thu Ceann-an-t-Shailean. Thall a sid mu’n cuairt an Ruadha beag ad, tha Ard-seile; agus beagan air an taobh thall a rithist-tha Cuil-da-Fhraochain. Tha sinn a nis anns an Litir-Mhòir; ach cluinnar an cor, mur a thuairt sinn cheanna mu’n àite so. Thoir sùil a mach a rithist, agus chi thu an Currachd-Liath, agus Torr-an-Eirionnaich ann a fasgadh na Linne-Sheilaich. Sìd agad Leac-na-Beathrach direach air thoisachd ornne, agus Cnap-a-Chaolais, far an d’fhuilig Seumas-a-Ghlinne, agus Pol-na-Gioba aig bun a chnaip. Air taobh na laimhe-dease ann a so, tha Tigh-bhaile-Chaolais, agus gabh beachd, shuas braighe Ghlinne-Chaolais, air Sgurr-a-Dhòmhnuil. Thainig sinn a nise a dh’ionnsaidh Lagan-a-Bhainne, agus Duthag mam bocainn. “Gheobh mi ann ceòl bho eoin na Duthaige Ged a tha ’n t-àm roimh àm na cuthaige Tha smeoraichean ann ’s annsa guth leam Na piob, no fiodhull, mar chéol.” Sìd Ruadha-na-Lice air ar cùlthaobh, agus an Carnus agus Eilean-Choinnaich air taobh thall an loch. So agad, Pairc-nan-Reitheachan agus Camus-Ghuisachainn. Sid agad, thall Eilean-Mhuna [TD 336] “An t-eilean beag seasgair A Choisrig an t-Easbuig Le òrdagh na-h-eaglais Roimh eachdraidh na Feinne”. Chi thu Callart, agus Camus-na-h-Eirbhe air an taobh eile dha’n loch, agus air an taobh so, Ionar-Chomhan, agus fòs a chionn Sgurr-na-Ciche. So an nis an Creagan-Dubh, agus theid sinn seachad air Cnap-an-Tairbh ann an tiotadh. Ràinnig sinn mu dheireadh Dail-an-Eibheadh, agus an t-shràid geal. Tha na Cnoca-Dubha far a robh iad riamh, agus is amhuil sin Ruadha-na-Glaistig. Gu dé do bharail, a nis, ’ille, ’bheil eòlas agam air an Apuinn? ’S e mo bheachd, gu cead duibhse nach e mhàin gu bheil eòlas agaibh air Apuinn-Mhic-Iain-Stuibhart; ach gu bheil ur cuimhne, a bharrachd air a sin, direach miarailtach! sin duibhse smior na fìreann. Tapadh leat, ’ille. Theid sinn a mach braighe a Ghoirtean-Eòrna, rathad Ghlinn-an-Eibheadh, nunn thar Alt-na-Laraiche-Seilleach, fàgaidh sinn Màm-Mucaidh air ar laimh-chlith, agus gabhaidh sinn a stigh Gleann-Durar mu’n toisich mo sgeul. ’S ann a so a bha maighdean Ghlinn-Durar ga nochdadh fhéin, mar a chuala sinn ’nuair a bha sinn òg, ’nuair a bhitheadh i a cuideachadh, agus a toirt cobhair do’n fheadhainn a bhiteadh a buain tubha, neo a bhiteadh ’gan sarachaidh anns a choille-chonnaidh agus anns a choille raineach. ’S ann a so cuideachd a bha fàrdach agus dachaidh Sheumais-a-Ghlinne a dh’fhùilig gu tàmailteach, gu maslach, agus gu neo-chionntach, air Cnap-chaolais-’ic-Pharuig. ’Nuair a bha Prionns Tearlach, Mac Sheumais, oighre Righ Seumas VII., mu dha bhliadhna air fhichead, thug e oidhirp air crùn a shinnsir a [TD 337] ghlacadh. Dh’fhàg e an Fhraing, agus “thainig an Righ air tir a Muideart,” anns a bhliadhna 1745. Bha fùdar agus airm aige airson coig ciad diag Saighdear; ach cha d’thug e leis ach seachd oifigich. Dh’éirich a chuid a bu mhua de na fineachan Gàidhealach leis toiseach an Fhoghair anns a bhliadhna 1745, agus sgaoil e a bhratach ann an Gleann-Fhionghainn. Dh’iadh timchioll air, Loch-ial, mac-’ic-Alasdair, mac-’ic Eillean, mac-’ic Raonull, Stuibhartich na h-Apunn, agus moran eile do ’n na fineachan Gàidhealach; agus thog iad orra agus air thus ’s air thoiseachd, ghlac iad baile Pheairt, agus Duneideann, agus chuir iad an rùaig air na saighdeirean-dearga aig Prestonpans. Ghlac iad Carlisle ann an Sassunn, agus ràinig iad mar chiad mile do Lunnainn. Thìll iad air ais, agus chuir iad blàr na h-Eaglaise-brice toiseachd bliadhna 1746. Bha buaidh ag ’eirigh leo gu làtha Chuil-fhodair; ach chuir an làtha sin criòch air a chuis. “Chaill e ’n crùn le ’dhioltas sgiorrail ’S fuil na fineach dhortar.” Ach ma chaill, tha gaisgeachd agus dilseachd na fineachan Gàidhealach sgriòbhte anns gach eachdraidh, agus anns gach canain air feadh na Roinn-Eorpa. An deigh Lath-Chùil-Fhodair, chaill na Cinn-feadhna an cuid oighreachdan. Chaidh na h-oighreachdan so a ghlacadh ann an ainm an Righ, mar chuid agus mar ’sheilbh a chrùin. Theich cuid de na cinn-feadhna thairis do’n Fhraing, agus do dhùthachanan eile. Bha cuid eile dhiu ’ga falach fhéin ann an tuil, ann an eileanan, agus ann an coilltean ’s uamhannan na Gàidhealtachd. Bha Fear-Ard-Seile, bràthair Sheumais-a-Ghlinne, fad uine mhòr, am falach fo cloich-mhòr Choire-Mhinn, ann a Ghleann-Creran, far an robh a chuid iochdar [TD 338] ain, agus a chuid dàimh a frithealadh dha gu dìleas, agus gu bàighail. Cha ghabhadh iad rud a chunnaic iad rìamh agus a bhràth. Bha ’n sluagh cho dìleas dha ’n uachdarain agus a bha iad do’n Phrionns’ e fhéin, is ged a bha deich mile fichead pùnnd Sassunach de dh’airgiod-cinn air a thairgse dhaibh, b’fheàrr leo ciad uair basachadh leis an acras agus leis a bhochdain, no aona cùid am Prionnsa no an uachdarain a bràth. Gu’n d’thugadh Dia fois agus tamh do na Criosdeanan! ’Nuair, matà, a ghlac an Crùn oighreachdan na feadhnach a dh’eirich leis a Phrionnsa, chaidh maoir (no factaran) ainmachadh a thogadh mal na tùath a bha air na h-oighreachdan so. ’Nise, b’e Caillean Caimbial Ghlinn-Iubhair, ann a Gleann Creran a chaidh ainmachadh airson oighreachdan Stuibhartaich na h-Apuinn, agus Camashronaich Challart, Lochabar agus Loch-ial. Lath’ bha sìd, thuit de Chaillean Ghlinn-Iubhair a bhi air a cheum a dol dachaidh a Blar-mac-Faoilteach an deigh dha màl Righ Seòrus a thogail bha thuath na Camashronach. Ghabh e an t-àisig aig Caolas-’ic-Phariug. Bha e ’gábhail an ràthaid air a shocair ’sios an Litir-Mhòir, is e air muin eich. ’N uair a bha e beagan an iar air a Churrachd-Liath air an t-sheann ràthad mhòr, loisgadh air bho chùl cloiche. Ghabh an t-each sgaoim agus theich e; shlaod e ’marcaiche car tacain as a dheigh, gus an do thuit Caillean gu’n deò air an ràthad mhòr. Fhuaradh a sìd e cho marbh ri sgadan, ach thug a murtair a chasan as. Co, mata, a mhill Caillean Ghlinn-Iubhair? Sin agad, a ghraidh, ceist nach d’fhuair freagairt fholaisach riamh, ged a bha fios aig muinntir na dùthcha eatorra fhéin, gu’m b’e brathair de dh’Fhear-Bhaile-Chaolais a rinn a ghniomh. Thuit amharus air [TD 339] Ailean Breachd Stuibhart, gaisgach a bha ’na oifigich ann an arm na Frainge, agus a thàinig a nall ’Bliadhna-Thearlaich a chogadh leis a Phrionnsa air taobh nan Ghàidheal. Cha chualas iomradh rìamh tuille air an deigh bàs Chaillean Ghlinn-iubhair. Chaidh agairt air Seumas-a-Ghlinne, brathair de dh’Fhear-Ard-Seile, gu’n robh fios aige co a rinn an cròn; a thuilleadh air a sin, chaidh a chuir as a leth fhéin gu’n d’thuairt e, gu’n robh e deonach air dol tri mile air a ghliuntean a thilgeadh Chaillean-Ghlinn-Iubhair. Chaidh Seumas bochd a ghlacadh, agus chaidh a thoirt do dh’Ionaraora air bialthaobh na Morairean. B’e am breitheamh Diùc Earraghaidheal e fhéin. Chaidh a dhiteadh, agus b’i ’bhinn gu’n rachadh a chrochadh, agus gu’n rachadh a chorp fhàgail air a chroic gu’s an tuiteadh an fheòil thar nan cnaimhan. Chaidh an Criosdaidh bochd a thoirt air ais do’n Apuinn le freacadan shaighdeirean. Chaidh a chroic a chuir a suas air mullach Cnap-chaolais-’ic-Phàdruig, mu mhile gu leth bho’n àite anns an do mhilleadh Caillean-Ghlinn-Iubhair. Chaidh a chrocadh, agus chaidh a chorp fhàgail air a chroic ré uine mhòr gus an d’thainig fear-cuthaich an ràthad a ghlac a chroic, agus na bha’ an crochadh rithe, ’s thilg iad a mach air a Chaolas. Theirar Poll-na-Gìoba ris an ionad sid gus an lath’n diugh. Bha’n sluagh fìor bhuidheach mar a thachair, oir, cha robh dh’anam aca fhéin sid a dhiannadh. Chithear na tuil anns an robh postachan na croice gus an lath’an diugh. Sid agad, a ghraidh, an ceartas a fhuair na ’Gàidheal an uair ad. So an taing a chionns gu’n robh iad cho dileas dha’n uachdairean. Ciod an duais air am b’araidh sluagh a bha cho coimhlionta anns a h-uile dòigh? Cha’n e mhàin gu’n do [TD 340] dhiult iad am Prionnsa ’bhrath agus an uachdairean cuideachd airson airgiod no òr, ach a bhàrrachd, bha iad a diuladh màil, cha’n mhàin do mhàor Righ Seòrus, ach cuideachd dha’n uachdairean a bha air allaban ann an céin-thìr bho bhinn lagh na rioghachd so. ’S ann direach mar so a ghuilean tuath Loch-ial, agus Ard-seile iad fhéin. Chuir tùath Thighearna Ghearloch £800 dha ionnsuidh, ’n uair a bha e na fhògarach anns an Fhraing. Sin agad m’eudail, cùnntas dhuitsa, air a bhàs sgreataidh, thamailteach, mhaslach a dh’fhuilig Seumas Ghlinn-Durar. Na cuir teagamh anns na thuairt mi; oir cha’n ’eil ann ach smior na fìrinn. ’S ann bho sheann Iain-òg-mac-Colla; ann am Baile-Chaolais, bho Phàl-Tuathach ann an Cùl-da-Fhraoichean, bho Dhòmhnul-Brocair ann a Fas-na-Cloiche agus bho Dhòmhnul-Challum anns a Ghlasdrum a fhuair mi a h-uile smid dhe’n na thuairt mi. Soraidh leat, ’mhic-chridhe! GILLEASBA’ MAC DHÒMHNUIL ’IC EOBHAIN. CELTIC RENAISSANCE AND INDUSTRIAL REVIVAL [Beurla] [TD 341-349] [Beurla] [TD 350] [Beurla] SRATH ARAGAIG HEI, hò rò, gur h-éibhinn leam, Carson a bhitheadh m’inntinn trom? Le mòr aigne ’s le sunnt Gu’n tog mi fonn gu h-aighearachd, [TD 351] Togaidh mi gu cridheil fonn Cha ’n ann air té dhubh no dhonn, Ach do ’n ’chommunn thaineadh leam, A nochd a’bhràigh Shrath Aragaig. A bràighe Lochabair nam beann àrd, A Gleann a’ Garraidh s’Bràighe na h-Airde, Dhe machairichean anns gach àite Tha iad am bràighe Shrath Aragaig. Chithear ann muinntir shuairce Shiubhail an saoghal m’un cuairt, ’S a gleidheadh nead bhlàth o’n fhuachd, Gu’n d’fhuar iad i an Shrath Aragaig. Chithear ann a deas ’s a tuath Urramaich am measg an t-shluaigh, ’S lionar iad tha frasadh luaidhe Suas am bràighe Shrath Aragaig. Mar dàna dhomhsa bhith ga luaidh Ailleagan ’us rìgh an t-sluaigh, Chiad oidhche dhà air ruaig Bha shuain am bràighe Shrath Aragaig. Tha am facal o sheann ag ràdh Mu’n dream uallach bha’n Gaig Gu’m b’fhèarr dhiubh na deich ’s a dhà, H-aon a bràighe Shrath Aragaig. ’S dùthaich thorach anns gach ni N’ glinn ’s an glaicean an fheòir mhìn, ’S an sruthanan le’n torman binn Eadar Cillfhinn’us Farralinn. [TD 352] Air slàt no guna ma tha do dhéidh, Ma’s aill leat bhi measg spreidh, Na sireadh or’ an cridhe beinn Tha roinn dheth am bràighe Shrath Aragaig. Ach fada is fheàrr na fear na’n cròc, ’S fheàrr na iomadh buaile bhò ’S fheàrr eadhon na an t-òr, Muinntir chòir Shrath Aragaig. A. BISSET. THE NEW “DOUGLAS” [Beurla] [TD 353-362] [Beurla] [TD 363] [Beurla] SEACHD MÒR-MHAOIR NA H-ALBA ’S NA bliadhnaichean a chaidh seachad, bha feadhainn am beachd gu ’n robh seachd Mòr-mhaoir ann an Alba. B’e Sir Francis Palgrave a’ cheud fhear aig an robh a bharail bhunailteach seo. Fhuair e am measg mòran sheann dhearbh-sgrìobhadh a bha ’n tasgadh ann an Cuirt-Ionmhais a’ Chruin, gnothaichean àraidh a thaobh na h-Alba. Agus am measg nan seann dearbh-sgrìobhadh seo, bha am fear a leanas. [TD 364-368] [Laideann] [TD 369] [Laideann] Chaidh an t-agradh seo aideachadh le làmh-sgrìobhaidh Easbuig Stapleton, “Rotulus continens appellationes Septem Comitum Regni Scotise super jure ejusdem Regni ad eosdem Comites pertinente, coram Custodibus dicti Regni per dictos Comites factas et prolatas.” Fhuair Sir Francis Palgrave, mar an ceudna, an litir seo. Bha i air a sgrìobhadh, a réir a bheachd-san, leis a’Bhruce a bu shine. [Frangais] [TD 370] [Frangais] Cha d’fhuair Sir Francis Palgrave ni sam bith eile ann an Cùirt-Ionmhais a’ Chrùin a thaobh Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba. Bha Sir Francis Palgrave am beachd gu’n robh Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba nan riaghladairean ann an Alba ’nuair a bha a’ chathair-rioghaill falamh (sede vacante-interregnum); no ’nuair a bha eiridh-a-mach am measg luchd-leanmhuinn an Rìgh. Bha e am beachd gu’n robh iad na Comunn reachdail; agus gu’n d’fhuair iad a’ chumhachd seo o chionn ioma linn. B’ ann mar seo a bha e a gabhail beachd air a chuis. Bha Alba air a roinn ’na sheachd earrannain. Bha Seachd Comites, no Mòr-mhaoir ann, an uair a bha Cruithne ’na Rìgh na h-Alba. Ri linn a’cheathramh Calum a bha ’na Rìgh air Alba, rinn na Seachd Mòr-mhaoir ceannairc an aghaidh an Rìgh; agus thug iad oidhirp air cuir as do’n fheadhainn a bha a leantuinn an Rìgh. Thubhairt Sir Francis, gu’n robh dà Uachdaran deug anns an Fhraing, direach mar a bha seachd Mòr-mhaoir ann an Alba. Bu iad ’nan seachd mhaoir air tus. Direach mar a bha Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba is ann mar sin (thubhairt e) gu’n robh Seachd Taghadairean anns an Iompaireach, aig [TD 371] an robh ard-chumhachd ceannard a chur air a chathair-rioghaill. Thubhairt e, cuideach, gu’n robh Seachd Barain ann an ceann-deas na Frainge, aig an robh a mhàin coir air dol a stigh do roinnean na dùcha. Cha robh a’ choir seo aig neach sam bith eile. A h-uile air sin, thubhairt e gu’n robh na Mannaich air an taghadh air an dòigh ciadna le fir-ionaid. Thug iad “Taghadh air comh-chòrdadh” mar ainm air an dòigh seo. Dh’ainmich Feachd Cogaidh na Croise dà thaghadairean deug; agus thagh iad Baldwin, Iarla Fhlanders, gu bhi’ ’na Iompaire dhoibh-san. Ged a bha Sir Francis Palgrave ’na dhuine fìor thuigsinnach, agus ged a thaitainn a bharail ri daoine fhoghluimte, bha cuid am beachd gu’n robh de rinn e mearachd. Dh’eirich tiolpadair (“aig nach robh eòlas air Daibh”) anns an Edinburgh Review, agus chuir e ann an teagamh na thuirt Sir Francis Palgrave. Tha e ro dhuilich a thuigsinn, ars’ easan, ciod a tha Sir Francis a’ ciallachadh leis na briathran seo. B’e gun teagamh cinnteach nach robh rud sam bith ann an Eachdraidh na h-Alba a bha cho neonach ri beachd Shir Francis. Cha robh an Ceathramh Rìgh Callum riamh ann an cunnart ceannairc le sheachd Mhòr-mhaoir; ach le shia Mhorairean; agus cha d’thug iad riamh oidhirp air cur as do’n leantuinn-rioghaill, ged a dh’fhiach iad Rìgh a mhàin a ghlacail. Oir bha iad diombach ’ga dh’ghiulan mi-bheusach mhaslach anns an Fhraing, mar a tha Hovenden agus Melrose, dithis eachdraichean a bha maireann aig an àm ud, ag ràdh. A h-uile air sin, cha robh “Seachd Mòr-mhaoir na h-Alba” a tha air an ainmachadh anns an dearbh-sgrìobhadh a fhuair Sir Francis Pal- [TD 372] grave ann an Cùirt-Ionmhais a’ Chrùin, ’nan ùghdarras anns a’ Ghàidhealtachd. Gun teagamh, tha seachd ann; ach tha triuir dhuibh ’nan Iarlan Sasunnaich! Is iad seo ainmean dhoibh-san. 1. Mòr-mhaor Mhàirr. 2. Mòr-mhaor Athuill. 3. Mòr-mhaor Leamhain. 4. Mòr-mhaor Fhìofa (Leanabh còig bhliadaichean a dh’aois). 5. Iarla nan Cinn-Criche. 6. Iarla Mhenteith. 7. Iarla Charraig. A nis, bha dream làidir ann an Alba aig an àm ud, a mhionnaich a chéile a chindachadh an aghaidh an tagradh a rinn Bruce air Cathair-rioghaill na h-Alba. Am measg nan daoine sud bha na Morairean seo. Mòr-mhaor Aonghais Mòr-mhaor Ròis Mòr-mhaor Shrath Earn agus mòran eile. CIARAN MAC CHIARAIN. (Ri leantuinn.) ANCIENT HOLY WELLS IN SCOTLAND [Beurla] [TD 373-379] [Beurla] [TD 380] [Beurla] URNAIGH AGUS NA SALM Ciod e ùrnaigh? Is e ùrnaigh ar cridhe ’thogail suas ri Dia, a bhi ’còmhradh ’s a’ labhairt ri Dia. “Is i an ùrnaigh,” arsa Naomh Franse, “uisge nam beannachd a bheir blàth is cinneachadh do mheangan nan deagh-bhéus; a nigheas ar n-anam o ’gnìomhan.” [TD 381] “An neach a ni ùrnaigh gu math,” arsa Naomh Uistein, “bidh a chaitheamh-beatha math.” Ach, gus na buaidhean seo a bhi aig an ùrnaigh, féumar a deanamh mar is còir; a chionn tha’n t-Ostal Séumas ag ràdh. “Tha sibh ag iarraidh, agus cha ’n ’eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h-olc.” Tha Athraichean agus Ollaichean na h-Eaglais a’ teagasg nach urrainn duinn ar n-anam a shàbhaladh gun ùrnaigh; oir tha gràsan Dhé riatanach gus ar sàbhaladh, mar a tha ar Slànaigheir ag ràdh. “Is mise an fhìonain: is sibhse na geugan. Esan a dh’fhanas annamsa, agus mise annsan, giùlainidh e mòran toraidh. Oir as m’eugmhais cha’n urrainn duibh ni air bith a dheanamh.” Agus a rithist, “ma dh’iarras sibh ni air bith air an Athair ann am ainm-sa, bheir e dhuibh e.” Ach cha’n fhaigh sinn na gràsan a iarras sinn mur h-iarr sinn air Dia iad le ùrnaigh dhùrachdaich. Is còir dhuinn ùrnaigh a dheanamh le uigheamachadh. Is e sin, smaointean saoghalta fhuadach bhuainn roimh làimh; sinn féin a chur an làthair Dhé, agus a chomhnadh iarraidh. Is còir dhuinn ùrnaigh a dheanamh le ùmhlachd. Gus an toill sinn éisdeachd is còir dhuinn sinn-féin irisleachadh an làthair Dhé, agus lùbadh sios mar an cìs-mhaor. “Sheall Dia air ùrnaigh nan iriseal, agus cha d’ rinn e diù dhe ’n achanaich.” Ciod a tha am fàidh ag ràdh? “Urnaigh an fhir a dh’ùmhlaicheas e féin, tollaidh i na neòil.” Agus a rithist, “Air cridhe brùite is iriseal, a Dhia, cha dean thu tàire” (Salm i. 19). Is còir dhuinn urnaigh a dheanamh le earbsa làidir, gu’m faigh sinn an rud a tha sinn a’sireadh. Cha ’n e gur fhiach sinn e, ach as leth Fuil Chrìosta, mathas Dhé, agus a gheallaidh. “A h-uile ni a [TD 382] dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh e.” Agus a rithist, “iarradh e le creideamh, gun bhi ann an teagamh air bith; oir esan a tha ann an teagamh, tha e cosmhuil ri tonn na mara, a tha air a séideadh le gaoith, agus air a luasgadh… Na saoileadh an duine sin gu’m faigh e ni air bith o’n Tighearna.” Ma tha Dia ’faicinn gur cron a dheanamh ar n-iarrtas dhuinn, thugamaid fainear nach toir e dhuinn e. Ach bheir e dhuinn ni eile na ’aite a bhios gu stàth dh’ ar n-anam. Ma ’s àill leinn matà, beannachd saoghalta sa bith fhaighinn, is còir dhuinn ’iarraidh air Dia a’ chùmhnanta seo a mhàin, ma tha esan ga fhaicinn iomchuidh, agus ma bhios e gu leas ar n-anma. Is còir dhuinn ùrnaigh a dheanamh le buanas, oir, “deanaibh-se uime sin faire ri ùrnaigh daonnan”; agus, “bithibh ri ùrnaigh gun lasachadh”. Agus ged nach grad-fhaigh sinn na bhios sinn ag iarraidh, na cailleamaid ar misneach; ach leanamaid samhladh na bantraich a fhuair a guidhe o’n bhreatheamh éucorach le sìor-iarraidh, agus ar dean-achanaich. A h-uile air sin, is còir dhuinn ùrnaigh a dheanamh ann an ainm Chrìosta. O’n is ann o fhulangas Chrìosta, agus o dhòrtadh ’Fhala prìseile; a tha gach gràs ri tighinn òirinn, ’s ann as an leth is còir an sireadh. Is ann, uime sin, a tha sinn am bichiontas ag cur na crìche seo air an ùrnaigh—“troimh Iosa Crìosta ar Tighearna”. Cha ’n ’eil ainm air bith eile fo nèamh air a thoirt do dhaoine leis am faod sinn a bhi sàbhailte. (Iul a’ Chrìostaidh, taobh 9-10.) Is e mar sin an ùrnaigh. Is e ùrnaigh ar cridhe ’thogail suas ri Dia, a bhi ’còmhradh ’s a’ labhairt ri Dia. “Eisd, a Dhé, ri m’ghlaodh. Thoir an [TD 383] aire do m’ùrnaigh. Mo Dhia, mo Shlànaigheir anns an gabh mi tearmunn. Mo sgiath, agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd. Gairmidh mi air Dia a’s airidh air cliù; agus o m’naimhdean teasairgear mi. Chuairtich cùird a’bhàis mi; agus chuir tuiltean mi-dhiadhachd eagal orm. Dh’iadh cùird ifrinne mu’m thiomchioll; choinnich ribeachan a bhàis mi. A’ m’ theinn ghairm mi air an Tighearna, agus ri m’ Dhia ghlaodh mi. Chual’ e as a theampull naomh mo ghuth; agus thàinig mo ghlaodh ’na làthair d’a chluasan” (Na Salm le Daibhidh). Cia ro iongantach na Salm le Daibhidh! Bha a thlachd ann an lagh Dhé, agus bha e a’ smuaineachadh air a lagh-san a là agus a dh’ oidhche. Bha e “mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge,” a chuir a mach a toradh ’na h-aimsir. Thug e buidheacheas do Dhia le ’uile chridhe, agus le ’uile anam. Oir, mar a tha e féin ag ràdh, “le m’uile chridhe dh’iarr mi thu… A’ m’ chridhe, thaisg mi t’fhacal, o chionn nach peacaichinn a’ d’ aghaidh. Is beannaichte thusa, a Thighearna: teagaisg dhomh do reachdan.” A bhàrr air a bhi ’na sheirbheiseach taghta le Dia, bha Daibhidh ’na bhàird gu fior. Cia iongantach a dhealbh a thaobh oibrean iongantach, Dhé! “Beannaich an Tighearna. O m’anam! A Thighearna mo Dhia, tha thusa ro mhòr. Le urram agus mòralachd tha thu air do sgeadachadh. Tha thu ’gad chomhdachadh féin le solus mar trusgan, a’ sìneadh a mach nan nèamh mar phàilliun. Tha e a’ leaghadh sailthean a shèomar anns na h-uisgeachan. A’ deanamh nan neul ’nan carbad dha’ féin, a’ siubhal air sgiathan na gaoithe. A’ deanamh ’Ainglean de na h-anmanna, a luchd-frithealaidh de’n teine lasarach. Shuidhich e an talamh air a bhunaitean los nach gluaisteadh e [TD 384] gu bràth. Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich thu e: sheas na h-uisgeachan os ceann nam beann. O t’achmhasan-sa theich iad: O ghuth do thairneanaich ghreas iad rompa. Chaidh na beanntan suas do na nèamhan. Chaidh iad sìos do’n ait a dh’orduich thusa dhoibh. Shuidhich thu crìoch air nach téid iad thairis, los nach pill iad a rìthist a chòmhdachadh na talmhainn. Tha e a’ cur fhuaran a mach do na glinn: tha iad a’ ruith eadar na beanntan. Bheir iad deoch do uile bheathaichean na macharach. Caisgidh na h-asail fhiadhaich an ìotadh. Os ceann doibh còmhnuichidh eunlaith nan speur. Bidh iad a’ seinn am measg nan creagan. Uisgichidh e na beanntan o ’sheòmraichean. Le toradh a ghnìomharan sàsuichear an talamh. Bheir e air feur fàs do’n spréidh, agus air luibh chum seirbhis an duine; los gu’n aran a thabhairt as an talamh, agus gu’n dean fion cridhe an duine subhach: chum toirt air a ghnùis dealrachadh le ola; agus gu’n nartaicheadh aran cridhe an duine. Tha craobhan na h-achaidhean air an sàsuchadh-seudair Lebanoin a shuidhich e. Far an dean na h-eoin an nid. A’ chorra-bhan, ’se an craobh as àirde dhiubh, is tigh dhi. Tha na beanntan àrda do na gabhair fhiadhaich; tha na creagan ’nan tearmunn do na coineanan. Rinn e a’ ghealach air son aimsirean: is aithne do’n ghréin a luidhe. Ni thu dorchadas, agus tha’n oidhche ann, anns an gluais uile bheathaiche na coille mach. Beucaidh na leòmhain òga air son cobhartaich, agus ag iarraidh am bìdh air Dia Eiridh a’ ghrian, bheir iad as orra; agus ’nan àitean-tàimh luidhidh iad. Théid an duine a mach gu ’obair; agus gu ’shaothair gu feasgar. Cia liònmhor t’oibre a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad uile: Tha ’n talamh làn de t’oibrean [TD 385] iongantach. Sud an cuan mòr agus farsuinn, anns am bheil nithe gluasadach gun àireamh, araon beathaichean beaga agus mòra. An sin siubhlaidh na longan. Agus dràgon na màra sin a dhealbh thu gu cluich ann: feithidh iad uile ortsa los gu’n tabhair thu dhoibh am biadh ’na tràth. Bheir thusa dhoibh, cruinnichidh iadsan: fosgailidh tu; do làmh, sàsuichear iad le maith. Falaichidh tu do ghnùis, bithidh iad fo amhluadh. Bheir thu uatha an anail, agus gheibh iad bas, agus pillidh iad ri’n uìr. Cuiridh tu mach t’anail, agus cruthaichear iad: ath-nuadhaichidh tu aghaidh na talmhainn. Maireadh glòir Dhé gu bràth: deanadh an Tighearna gairdeachas ’na oibre. A sheallas air an talamh, agus criothnaichidh e: benaidh e ris na beanntan, agus bithidh deatach dhiubh. Seinneam do’n Thighearna an cian is beò mi: deanam ceòl do’m Dhia fhad ’s a bhios bith agam.” Is an dàn seo an Salm a’s maisiche ’sam Bìoball, ann am bheachd-sa. “Riutsa, a Thighearna, togam m’ anam suas.” Anns an Salm seo, thog e suas a chridhe ri Dia, agus labhair e ri Dia. Is an Salm seo, air son sin, ùrnaigh gun cron. Bha chridhe a’ cur thairis le deadh ni, agus labhair e na nithean a rùin e do’n Righ, a Thighearna. “Mar a chuala sin,” ars’ esan, “is amhuil a chunnaic sinn ann am baile Tighearna nan slògh: ann am baile ar Dé. Daingnichidh Dia e gu bràth. Smuainich sinn air do chaoimhneas gràidh, A Dhé, ann am meadhon do theampuill. Mar t’ainm, a Dhé, mar sin tha do chliù gu criochan na talmhainn.” Chuir Daibhidh ’earbsa ann an Dia. “Cha’n eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dheanamh orm,” ars’ esan. “Ormsa, a Dhé, tha do bhòidean: iocaidh mi tabhartas-buidheachais dhuit. Oir shaor thu m’anam o’n bhàs. Nach do shaor thu mar an [TD 386] ceudna mo chasan o thuisleadh, los gu’n gluaisinn ann ad làthair, a Dhé, ann an solus nam beò?” Air Dia a mhàin bha ’anam a’ feitheamh. “Is esan a mhain” ars’ e, “mo charraig agus mo shlàinte,” agus a rithist, “a mhàin air Dia feith, O m’anam; oir is ann uaithe-san a tha mo dhòchas. Is esan a mhàin mo charraig, agus mo shlàinte. Mo thùr àrd, cha ghluaisear mi. An Dia tha mo shlàinte, agus mo ghlòir: carraig mo neart, mo thearmunn is e Dia. Cuiridh air gach àm bhur n-earbsa ann O a shluagh. Dòirtibh a mach bhur chridhe ’na làthair. Tha Dia ’na thearmunn duinn.” Bha e a smuaintean daonan a taobh a stigh Dhé. “An uair a chuimhnicheas mi ort air mo leabaidh. Beachd-smuainichidh mi ort ann am fairean na h-oidhche… Tha m’anam a dlùth-leantuinn riut. Cumaidh do dheas làmh suas mi.” Agus a rithist, “O cia ionmhuinn leam do lagh-sa. Gach la is e mo smuaineachadh.” Agus a réir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an àite eile, “chuimhnich mi t’ainm a Thighearna anns an oidhche, agus ghléidh mi do lagh.” Rinn Daibhidh dìreach mar a tha e sgrìobhta. “Thugaibh an aire: deanaibh faire, agus ùrnaigh; oir cha’n ’eil fhios agaibh cum a bhitheas an t-àm.” Mar dhuine a dol fad air astar a dh’fhàg a thigh, ’sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, ’sa dh’ àithn’ air an dorsair faire dheanamh. Uime sin deanaibh-se faire, oir cha’n ’eil fhios agaibh cuin a thig maighstir an tighe; an anns an oidhche, no air a’ mheadhon-oidhche, no aig gairm-choileach, no anns a’ mhadainn; eagal gun tig e gu h-obann, ’s gum faigh e sibh ’nur cadal. Agus an ni a tha mi ag ràdh ruibhse, tha mi ag ràdh ris na h-uile dhaoine: Deanaibh faire” (Naomh Marc xiii. Caib. t. 33-37). Agus mar sin rinn Daibhidh, “tha mo chridhe [TD 387] suidhichte, a Dhé. Seinnidh mi, agus ni mi ceòl, eadhon le m’ghloir. Mosgail, a shaltair agus a chlàrsach. Duisgidh mi féin a’ chamanaich.” Rinn e dìreach mar a bha e a’ teagasg. “Air a’ mheadhon-oidhche, eiridh mi, los gum buidheachas a thoirt duit, air son bhreitheanas t’fhireantachd.” Molaibh-se ar Dia-ne; oir mar a tha Daibhaidh e féin ag ràdh “is maith an ni a bhi deanamh ciùil d’ar Dia. Tha e taitneach, agus tha moladh ciatach. Gach là beannaichidh mi thu, agus molaidh mi t’ainm gu saoghal nan saoghal.” Cia bhinn ’fhocail-san! Cia dhomhain a chreideamh-sa! “Is sona esan aig am bheil Dia Jacoib mar a chabair; aig am bheil a dhòchas ann an Tighearna a Dhia. A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir, agus gach ni a tha annta. A choimheadas firinn gu bràth; a chuireas an gnìomh breitheanas dhoibhsan a tha fo fhòirneart: A bheir biadh do na h-acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fo sgaoil. Fosgailidh an Tighearna sùilean nan dall. Togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh siòs. Is ionmhuinn leis an Tighearna na fireana. Coimheadaidh an Tighearna na coigrich: togaidh e suas an dìlleachan agus a’bhantrach; ach tionndaidhidh e slighe nan aingidh a thaobh. Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth: do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn.” Mar sin, bu Dhaibhidh: uime sin a mheud agus is urrain dhuinn, bitheadh an inntinn seo againn. Is e ùrnaigh, ar cridhe ’thogail suas ri Dia, a bhi ’còmhradh, ’s a’ labhairt ri Dia; eadhon mar a bha Daibhidh a’ thogail ’ainm ’s a chridhe suas ri Dia. “Cò tha glic, agus a bheir fainear na nithe seo? Tuigidh esan coimhneas gràidh Dhé.” IAIN MAC AN ABBA. [TD 388] LITERATURE AND THE PUBLIC [Beurla] [TD 389-396] [Beurla] [TD 397] [Beurla] I mo chridhe: I mo ghràidh ’An àite guth Mhannaich bi’dh geum bà Ach mu’n tig an saoghal gu crìch Bi’dh I mar a bha. [Beurla] [TD 398] LÀITHEAN BHLIADHNAICHEAN EILE C’ÀITE no c’uin a thachair an ni ’tha mi ’dol a dh’innse cha dana leam a bhi bruidhinn air anns an sgìreachd so. Thachair e ’m bad-eigin deas air Lathurna, agus an iar air fearann cnapach Chòmuil. Tha’n àite ’n cois na mara. Tha e eadar dà abhainn, agus fa chomhair na grein-mhaidne—tuilleadh ’us sin cumaidh mi m’òrdag air. ’Nuair a thainig mi ’n toiseach air an àite an deigh mo thurus do’n Fhraing, agus tigh m’ athar a cur suas toit chàirdeil am measg na feàrna aig lùib na slighe, mar a mharcaich mi air m’ adhart, cha b’ann air fàilte no furan a bha mi ’smaoineachadh ach air sgeula Ealasaid Ghoirid agus an Duin-uasail g’un ainm. Chuir mi mo smig ri athar agus ghàir mi gus na mhag mactalla nan cnoc orm. Is diomhair obair inntinn an duine, gur ann an uair bu chòir a chridhe ’bhi làn molaidh agus taingealachd a thigeadh smaointean faoin na cheann a bheireadh air sìneadh air cireasail ghàireachdaich coltach ri amadan. An so bha mis’ aig àrd-dorus mo thighe féin (ann an seadh), an deigh sé bliadhna airsnealach a chur seachad am measg thuaighean-cogaidh, agus chlaidhean coimheach air son na chumadh lite ’us sùgradh rium, an t-seann loch a logradh a steach air na clacha-beaga-muile, agus an dà abhainn a co-chòrdadh le’n crònan àrd os cionn ceileireadh nan éun, agus fàile cùbhraidh nan lusan gorm a cur mo chinn na thuainealaich mar gu’n deanadh deathach buideal clarach Nantach, toilichte, toilichte gu cridhe gu robh mi na m’ àite féin, maille ri m’ mhuinntir féin, agus gidheadh se sgeulachd fhaoin agus nithe neo-gheimnidh a b’aon obair do m’inntinn. [TD 399] ’Se chuir mi air an raon mheòrachaidh ud sealladh air balla lios an Duin-uasail aig taobh an rathaid, le riasg tiugh agus tioram air a mhullach, agus a’roineach a tighinn a mach a cuaich eadar na clachan tioram. “Tha mo Dhuin-uasal air siùbhal,” thubhairt mi rium féin; “làn cleibh a chnamhan fo’n fhòd, le ghaol, ’sa mhacmeamna agus an còrr dhe sin, agus an so cha’n eil ach beagan atharrachaidh, an so tha’n t-seann lionadh ’us tràghadh air cladach fhearainn, an t-uisge-loth a sgaoileadh mu’n cuairt do na craobhan a chuir e, a’ raon gorm mathach cho beothail fo’n ladhar agus a bha e ’nuair a bha ’chuaran bonnanta féin a ’g imeachd air, agus an uair a b’urrainn dha ainmeachadh air féin na h-uile mart a chitheadh a shùil.” Agus an sin chuimhnich mi air a chluich ri Ealasaid Ghoirid agus ghàir mi fad ceathramh math na h-uaireadair Fhrangach agam, agus mo ghearran a bearradh an fheòir ri fàl na slighe. Is e m’athair (sith dha) a dhinnis dhòmhsa an naigheachd, le uibhir air a chumail air ais dhi agus a bha freagarrach do fhear sgeul’ innse aig bruidhinn am measg mhnathan agus chloinne, agus cha b’ann gus an robh mi fada gu leòir o m’ àite féin, agus teine ’champa ga m’ chumail na m’ dhuisg a thainig mìr an duine do’n sgeula do m’ ionnsaidh. Agus so mar a bha. Uair air latha ’bha sud san Earrach, chaidh mo Dhuin-uasal a ghabhail seallaidh de fhearann, gach achadh-a-steach, achadh-a-mach, tuaith, earrann croit ’us baile. Bu mhac e do mhac an duine a dh’aithnicheadh Albainn gu léir ainm, agus nach di-chuimhnich an Sasunnach reamhar ann an cabhaig. Cnuachdaire stalcanta, e gu math lionta o chùlaibh, agus osan dà-fhillte air calpa cho cuimte [TD 400] ’sa sgeudaich sgian-dhubh riamh. Bha e car lachdunn na dhreach, agus beagan a bhreacadh na bric na aodann (agus sin agad iùl dhuit air). Bha mala chorrach, peirceall dùr, ach sùil bhlàth mnà air ùr phòsadh aige. Co aca ’b ’ann air son ’ainm no’ inbhe, no air son a shùil agus facal aoibheil a bheòil, tha e cruaidh ra innse, ach bha ainm lasgaire aig’ anns na tri sgìreachdan, agus mar so ’n uair a rachadh atharaichean gu féill le’n nigheanan theireadh iad: “Air ’ar casan a nigheanan; gabhaidh sinn an rathad cùil; so agaibh C’ainm-so-e a tighinn.” Air an latha so bha gaoth ùrar fhallain far na mara a seideadh air aodann an Duin-uasail gus na thionndaidh fhùil o bhainne gu mear shal. Dh’ fhairich e faileadh na feamainn, agus a chonais, chrath e air ais a ghuailean, agus shaoil leis e féin mar fear-siubhal-cuain le iùbhrach mar a shaoghal agus ’ailm fo achlais. Air gach taobh thuit a shùil air fhonn féin, air gach òb a bha’g itheadh a steach gu domhain an taobh a chnocan féin, air mointich ’us beinn, air a choille thiugh ghiùthais, agus gach coire lan phreasan, agus ceileireadh nan éun, bailtean agus àitean fàsail, raointean arbhair agus fraoch, an earb a mireag agus an coilleach dubh gu màirnealach a crathadh a sgiathan a null an t-slighe. Bha shàilteansan a breabadh an rathaid, a chridhe ’g at ’s a seinn, feithean an spàirn aig cruachan, glùin, ’us uilinn, agus mar so shaoil leis e féin mar Fhionn-Mac-Cholla. ’Se so fonn a tha duine tha na dhuine fo dhà fhichead bliadhna a gabhail an tràth so ’s a rithist. Ghabh mi féin e ’nuair a bha bhliadhna òg ’s a ghrian soileir. Aon uair bha e agam air latha aig Lutsen, ’nuair a bha slachdadh le deadh chlaidheamh-mòr troimh dhùirn ’us uchdeididh mar sgiùrsadh bhuaghallan. [TD 401] Anns an t-saod so mata, thainig an t-aon sin air am beil mi bruidhinn do’n bhaile, agus direach aig an oir a mach, feuch bha maighdean òg a stailceadh phlangaidean ann am ballan, a cota crioslaichte oirre mar fhéileadh agus is gann a bha cobhar an t-siabuinn na bu gile na gliùnean. Bha a cùlaibh ri mo Dhuin-uasal, agus bha e fagus dhi mu’n tug i’ naire dha. Tharraing e ’bhoineid car a nios air aghaidh ’chum dearsadh na gréine a chumail o shùilean, agus sheall e le iongnadh car tiota air cumadh bòidheach na gruagaich chuachach, agus soilse a cuaileain donn clannach mar gu’m bitheadh e air oibreachadh le cìr-òir na gruagaich. Bha i seinn luineag òrain luaidh ann an guth caoin, binn, ann an Gaidhlig bhochd Sgitheanach. “’Se so cogireach air ùr thighinn, ge be co i,” thubhairt e ris féin, oir bha uaill air gu’m b’aithne dha gach nighean air fhearann, agus aon diubh cha robh cho àrd no cho eireachdail ris an t-aon so a bha stambadh phlangaidean ’s a bhallan. An sin thog e fonn an òrain gu cridheil, agus thionndaidh ise mu’n cuairt ann an cabhaig na’n cabhag. ’Nuair a chunnaic i co bh’aice bha i thiota ’mach as a’ bhallan, agus chaidh a’ casan am fallach. “Ho, ho!” thubhairt mo Dhuin-uasal, “Is tusa ’n te ghrinn. Cha’n eil na boireannaich an so cho fior mhàlda riutsa. Cha’n ann de m’ chinneadh thu m’ eudail.” Agus chuir e tolg eile na bhoineid, agus chuir e bhreacan na b’fhaide suas air a’ ghualainn, ’s theann e suas ri taobh na gruagaich. “Cha’n ann,” ars’ ise, car geur, “S dòcha gu bheil mi do shiol na’s pongaile. Ann an Dùthaich-Mhic Leòid tha na fir a mach aig an t-sealg sa bheinn ’nuair ’tha na mnathan a nigheadh phlangaidean”. [TD 402] “Seadh, m’ aon sgiambach ’s bochd an càil ma tha gach sgliùrach coltach riutsa.” “Sgliùrach!” thubhairt a mhaighdean ’sa h-aghaidh a ’g at. “Sgliùrach a dhuine!” “Maitheanas, mo ghràdh! Thubhairt mi facal mu faca mi sealladh air t-aghaidh. Bheir mi mo mhionnan air stàilinn nach robh sgliùrach riamh ’s an teaghlach o ’m bheil thu mach.” Agus thug an lasgaire seòlta dheth a bhoineid mar gu’m bitheadh e na sheasamh fa chomhair maighdean Fhrangach. “Tha m’ aodann,” ars’ a’ mhaighdean, mar a rinn Dia e, ach tha mi ’m barail gu’n robh ’m Fear-ud-Eile fagus a laimh aig deanamh d’fhirsa.” Thoisich i air tarruing a’ bhallain le ’leth-laimh gu cùl an tighe, i car duilich gu robh a’ briathran a mach a òrdugh. Bha e fabharach nach robh cainnt de’n t-seòrs’ ud a riamh na mheadhon air dragh a chur air faoineis mo Dhuin-uasal, agus ghàir e ris an fhreagairt a thug i air. “Mata, gu fìrinneach is sgoinneil thu féin co dhiù,” thubhairt esan, agus e cur air a’ bhoineid. “Agus is mise ’bha gorm ’n uair thubhairt mi na thubhairt mi. Is mise an Duin-ud-Eile.” “Bha fhios agam air sin.” Ars’ ise. “Cionnas?” dh’fheòraich esan. “Le d’ oilean Duin-uasail,” thubhairt ise. “Ghiùlaineadh duine cumanta am ballan air ais maille riumsa.” “Ach—” “’Se Ach a b’ainm do’n mhadadh bu bhochd bh’aig Fionn,” thubhairt a’ mhaighdean, ’s i seasamh suas direach gu dual de falt a chur air cùl cluaise ’bh’air chumadh slige. “Ciod a choire ’bh’air a’ mhadadh?” dh’ fheòraich mo Dhuin-uasal, ’sa shuilean a ruith eadar lag cùl-a’-h-amaich agus a’ bilean. [TD 403] “Bu chuilean gu’n oilean e.” “Gu de an seadh, a luaidh?” “Ann an droch sheadh.” “Geur, geur! ’S ban-Sgitheanach thu cuinteach gu leòr. Am faod mi fhoighneachd ciod is ainm do’n choigreach shnasail so do m’ dhùthaich?” “Do dhùthaich-sa, shair, tha iad a toirt cliù dhuit-sa agus do d’chinneadh air son iomadh mìr fearainn nach robh riamh air a chosnadh le claidheamh no còmhrag.” Agus a steach an tigh ghabh a’ mhaighdean gún tuilleadh suim a ghabhail de. Sios an rathad ghabh mo Dhuin-uasal ann am breislich ghoirt ach a beachd-smuaineachadh gu cruaidh. ’S e tuathanach a cheud neach a thachair air. “Co tha sud shuas aig tigh na drochaid?” dh’fheòraich e agus e gabhail gréum air breacan an tuathanaich. Tharraing an duine ’nuas a’ mhailghean agus sheall e suas an rathad. Bha e faicilleach na nàdur, “An ne freagradh ’tha dhith ort no an fhèrinn?” “Freagair gu h-ealamh a dhuine!” “’S an tigh laimh ris an drochaid?” “Seadh, seadh a stallachdaire!” “Stad mata, ’s e bantrach Phòil Ruaidh a bhitheas ann.” Bha frionas air mo Dhuin-uasal ris an duine. “Bantrach Phòil Ruaidh! Shaoil leam gu’n do chaochail i sin aig a Bhealltainn.” “Tha sin mar sin, tha sin mar sin! Cha b’ urrainn mi smaoineachadh air aon eile, oir bha mi air mo chur mu’n cuairt mu agh a—” “Co i a’ mhaighdean, a bhlaomastair?” “M’ anam fhin, a chinn-chinnidh, cha bhruidhinn ’tha dhith ort ach fiosrachadh. Tha thu cialla- [TD 404] chadh an te dhonn le na sùilean, i car caol mu’n mheadhon?” “Cha’n eil i o Gallothaobh theid mi’n urras a thaobh a cumaidh, ach tha i stailceadh phlangaidean ann am ballan, agus na’s fheàrr cha’n fhaca mi riamh am measg phlangaidean.” “Ah, ah! bu chòir dhuitsa bhi nad’ bhreitheamh air ’sin, ach tha ’n te so ro fhada tuath air son mo thighearna. Tha i a Dunbheagan. Cha sgliùrach i theid mi ’n urras. ’Se Ealasaid is ainm di, agus tha i so a toirt an aire do Iseabail bheag a bean-chinnidh.” “Ealasaid, Ealasaid, air m’ fhìrinn ’s ainm, mi-thuairmeasach e,” thubhairt mo Dhuin-uasal, ’s e tionndadh, ’sa gabhail sios gu crois a’ bhaill ’s e cur char de’n ainm na bheul. Mar a bha’n naidheachd aig m’ athair (sìth dha) air an ath latha, a mach ghabh an Duin-uasal as an tigh le buidheann dhaoine tapaidh aig a shàil. Bhitheadh a ghille-coise ann, a ghille-mór gu giùlan a chlaidheamh agus a sgéithe, a ghille-cois-fhliuch gu bhi ga thoirt tioram thar aibhnichean, a bhladaire, a phiobaire, ’s a bhàird, leis na gillean-ruith a bhuineadh dhoibh. An sin bhitheadh esan ’s a mheadhon le bhreacan-seilg air, agus a stàilinn a gliongan. Bha gille a ghille-choise a giùlan ciosan chalman, a tigh nán calman air son tiodhlac do’n mhaighdean Sgitheanach. ’Nuair a ràinig iad oir a’ bhaile, chaidh aon do na gillean-ruith a steach do thigh na drochaid, agus thubhairt e gu robh an Ceann-cinnidh air son briudhinn rithe. “Seadh,” thubhairt a mhaighdean ’s i bualadh a coise air an ùrlar chriatha, “chuireadh e ’mi-mhodh so ’n géill dhòmhsa, ban-choigreach, nach bu dana leis air a bheatha ’chur an géill do bhean de [TD 405] chinneadh féin. Mucan, mucan, mucan! chuala mi iomradh oirbh. A mach a so a ghille-coise, agus iarr air tadhal far am beil fir a choinnicheas e.” A dh’ionnsaidh mo Dhuin-uasal ghabh an gille le aghaidh dhearg. “Seadh a dhuine, ciod a thubhairt i?” dh’feòraich am Priomh fhear. “Nach robh i riomhach gu leòir gu seasamh fa chomhair mo thighearna” fhreagair an gille. “Ah, ah! bean, bean! so am fear do’n aithne iad, duth, donn, dearg no buidhe. Tha iad uile iomagaineach air son dealbh na truaille ’nuair tha neach a mhain cùramach gu de’n stuth a tà faobhar a’ chlaidheamh. Thoir dhomhsa na calmain agus thig thusa leamsa ’bhladaire a chur facal oirre.” Chaidh mo Dhuin-uasal agus a bhlaidire chum an doruis, a fagail chàich air an rathad, agus bhuail an Duin-uasal a chòmhla le gob airgiod na daga ’bha na làimh. Bha mhaighdean a ceartachadh a gruaige, agus bràisd do dheadh chumadh aig a h-amhaich. “Thig ’stigh,” ghlaodh i, agus chaidh iad ’a steach. Bha i na h-aonar oir bha a’ bhean a bha tinn ann an rùm eile. “So dhuit, mo leanabh,” thubhairt am bladaire ’s e cur nan éun air a bhòrd. “Cha’n eil càil agam do nithe cho solta,” thubhairt a nighean car ealamh. “Calmain tighe agus suirghe gealtaire—dà rud is miosa.” “O’n Cheann-chiunidh,” ars’ am bladaire, ga cur na faireachadh. “Cha cheann-cinnidh dhòmhsa e a bhodaich, tha ’ar Cinn-chinnidh-ne aig an tigh, ach an uair ’tha iad aig cogadh, agus cuiridh iad an cuid ghillean air theachdaireachd.” Bha mo Dhuin-uasal na sheasamh mìr beag ’o [TD 406] ’n cùlaibh, a làmh-chlì air a chruachan, a làmh-dheas ri chliathaich le bhoineid ’s le dhaga. “Ud-ud, a nighean,” thubhairt e, “tha thu car gearrtach le d’ theanga air son muinntir Earraghaidheal. An urrainn duin-uasal càraid no dhà éun a thoirt dhuit gun an trod so?” “Dh’àraich mnathan Mhicleòid an còmhnuidh an eòin féin, agus bha mnathan Mhicleòid an còmhnuidh ainmeil air son an sùilean geur air fithich.” “Geur, geur ’s ann ’o thaobh an iar an Eileain thu cuinteach gu leòr. Cha robh uam ach pòg, a leannain.” “Da rireadh, tha mi duilich gu bheil mo bhean-chinnidh cho tinn. Tha i sean gu leòr ’s cha bhi i ro-churamach, oir is aithne dhi cionnas a chumas tu do bheul air son na pòige. Fàg na calmain, ma thogras tu, agus innsidh mise dhi do theachdaireachd.” “Am Fear-ud!” ghlaodh mo Dhuin-uasal. “Tha thu gàireachdaich rium. ’Smath a dh’ fhaodte gu bheil fear ’sa bhaile do’n tug thu gaol. Thoir an aire, a bhean-uasal, c’àite ’us co a phòsas tu, oir faodaidh gu’m bi thu leamsa air na h-uile cor. An aithne dhuit mo sheasamh sa sgìreachd so? Tha còir priosain, croich, ’s na ceud oidhche agam.” “Na’m bithinnsa ann an dùthaich duin-uasail theirinn gu robh còir mnatha agam, agus sin a chum a chuid a bh’fhearr agus urram fir, ach ’s e glaodh fad’ o fhearann còir Dhùthaich Mhicleòid e, agus iomadh treubh eadarainn.” Thionndaidh mo Dhuin-uasal mu’n cuairt agus ’dhachaidh ghabh e an dion chorruich, air a rathad cruaidh féin, thairis air a dhìgean féin, sa drochaidean féin; agus dh’òl e fion dearg na cuaiche gu [TD 407] tuiteam na h-oidhche. An sin chaidh e sios leis féin coltach ri duine cumanta gun ite na bhoineid, agus a bhreacan air a dhruim, ach cha do ghabh Ealasaid, a bhan-Sgitheanach suim de fheadaireachd. GAIDHEAL. (Ri leantainn.) AR RIGH RO CHRIONNA AN uair a bha an Righ Eideard an Marienbad o chian began mìosan, chaidh e a stigh do’n chathair-easbuig. B’e air latha-breith na h-Iompaire a rinn e seo. An uair a bha an Sagart a’ togail suas na Sàcramaid, rinn an Righ seasamh. Tha iad ag ràdh a nis gu’n d’rinn e seo gus a bhi thaitneach do na Phrotestanaich; ach, gu bheil is fearr a bhi thaitneach do Dhia na taitneach do dhaoine. [TD 408] [Beurla]