[DA 1] BRATACH NA FIRINN. A DHEASAICHEADH LE NIALL MAC-NEILL, Ughdar “CIAN-DHAIN, &c. LEABHAR II. 1874. GLASCHU IS LUNNUINN: U. R. M‘PHUN IS A MHAC. DUN-EIDEANN: MACLACHLAINN IS STIUBHARD. AGUS AN COMUNN LEABHAR IS DHUILLEAGAIN. [DA 2] AILTE LE DONN IS URICHT, GLASCHU. [DA 3] AN CLAR-INNSIDH. Is i bàrdachd a tha anns na cuspairibh a tha air an clobhualadh fiar; agus tha deilbh leis an fheadhain a tha anns a’ cheanna-litir. A. Taobh-duilleig. A Mhàin tre Ghràs 183 A’ Phrothastanachd ’s an Fhraing 38 Ainiochd do Ainmhidhean 26 Aithne Chriosd 140 Aithreachas 164 Am buin Eagal do bheatha a’ Chreideimh? 154, 165 An Aithne Nuadh 70 An Comunn Breatunnach 147 An Diadhachd is Cleasachd 5 An Dùsgadh an Tiridhe 178 AN FHAIRGE SHALAINN 24 An Fhìonain 142 An Iomhaigh Ghlòrmhor 44 An Lili 146 An Lùireach agus na Cnàmhan Tioram 125 An Oighreachd 168 An Soisgeul 167 An t-Ionmhas Spioradail 63, 79 An t-Olla Teàrlach Hodge 122 Aran Briste 11, 55, 77, 89 Armailtean na h-Eòrpa 174 B. Babhd o’n Bhogha 138 Baile-Bhòid 75, 91 Bàs an Olla Pàdruig Fairbairn 139 Beachd Choupeir mu’n Bhàs 78 Bean-Mhòr Chùla 55 BEINN SHINAI 49 BLAR BHALACLABHA 40 Breatunn 159 Bualadh, bualadh; cò a th’ann? 68 C. Calum Mac-Néill 11 Clann-Nighean Nigritia 152 Cleachdanna ’s an Tuirc 156 Coimhead na Féille 105 Craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil 96 Cuairt an Deasaiche 89, 114 “Cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Criosd” 50 Cumha Dhaibhidh 23 D. Dàin Measarrachd 102, 121 Dia na Roimh air itheadh le Radan 59 DROCHAID NAN GAIDHEAL 17, 36 Dùsgaidhean 129 E. Earail do Luchd-comunnachaidh 101, 123 EILEIN STAFFA 9 Eòlach air Bròn 183 Eòlas Feumail 28 F. FAMHAIR GUN-DOCHAS 177 Fàs Aingidheachd 157, 171 Feuch an Fhraing 158 Fios Coitcheann 16, 32, 48, 64, 80, 96, 112, 128, 186 Freagairtean Mhr. Moody 83, 107 G. Gàidheil Ghobhain 7 Geàrr-chunntas mu’n Phàpanachd 37 Geòireis Bhàrdail 15 GLEANN CHOMHANN 81 “GLIOCAIS AN NI SONRUICHTE” 65 Gnothuichean Gàilig 22 Guth á Ile 93, 108 —— A LAPLAND 161 —— á Madras 141 —— ás a’ Chlachan 127 [DA 4] I Taobh-duilleig. Iain Ruadh ’na Sheann Aois 169 IASGACH 145 I-Bhròin 106 IERUSALEM 33 Ile 93 Irisealachd féin-thoileach an Siam 155 L Laoidh 35 LAPLAND 97 Litir 163, 184 Litir Mhartin Lùtheir thun Iain Bhig a Mhac 72 Litir á Baile-Bhòid 75 Eiridh na Gréine 181 Litireachd Ghàilig 179 Litireachd Phàpanach ’san Fhraing 120 Lunnainn 109 Lùther agus Suingle 2 M Manaich Bheinn Athois 30 Maoin Eaglaiseil ’s na Stàitibh Aonaichte 113 Mealltaireachd Beairteis 164 Measarrachd 182 Miann a’ Ghàidheil Aosda 95 M’ Ios’ thug mi gràdh dhuit 111 Moladh an Léigh 110 Moody agus Sankey 56 Mu’n cuairt Maol Chinntire 92 N Na Fir Chlis 1 Na h-Eaglaisean Gàidhleach 8 Noimheachd Eigin 12 O Oileanachadh Riaghailteach an am buntainn caoimhneil ri Ainmhidhean 46 Oileanaich Ghàidhealach 87 Oraid 73, 98 R Rainn 159 Rann Fhionnghaeil 67 Rann Gàidhealach 181 Reul-maidne na Gàidhealtachd 69 Rouland Hill agus a’ Bhean Uasal Anna Erscin 87 S Salm Beatha 184 Seann Ghàilig 103, 124, 176 Seòrsan Feamainn 160 Slàn Leibh; no Cead an Deasaiche 187 Solus an t-Saoghail 185 Sruth a’ Chuain 29 T Teachd gu Criosd 176 Teasgasg nan Aithrichean 19 Tha Ios’ o Nasaret dol seach 58 Tha sinn feitheamh taobh na h-Amhuinn 68 Thug Iosa dhomh gràdh 57 Tighean Sneachda nan Esquimaux 113 Tighnacloiche, V 14 Turus Tír is Cuain 89 U Uair na h-Urnuigh 57 [TD 1] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 1.] Ianuari, 1874. [LEABH. II. NA FIR-CHLIS. [Dealbh] NA FIR-CHLIS ANN AN CEARNA TUATHA NA H-EORPA. [TD 2] Ann an tìribh reòite Lapland, cha’n’eil sgeul air lainnir gréin’, Fad ’s a ghleidheas smachd a’ gheamhraidh riaghladh air a bheannta céin’; Laoich na dùthcha chì thu sitheadh le an carbaid, le am féidh, Troimh ’n aon doille là ’s a dh’ oidhche, fàgail shléibhte sneachd ’nan déigh. Tha iad misneachail, cha tàmh iad, iad ri saoth’r air son an lòin, Dh’ aindeoin gruamaichead an speuran, ’s iad gun leus ac’ aig trath-nòin; Ach cha ’n ’eil iad tur an dùbhrachd fhuair iad soills’ a réir am feum’ Thug an t-Uile-Ghlic doibh deàrrsa nam Fear-Clis a stiùir’ an ceum. Sgeadaicht’ ann an éideadh àillidh, clisgidh iad an doimhn ’nan speur; Seargaidh iad is fàsaidh rithis; ni iad bealach, ni iad beur; Mar na tannaisg air na mullaich ann an lùbaibh liath’ a’ cheò, Chì thu iad ’nan cruthan soluis leumnaich ann an aoibhneas beo; Samhlachail air mire greadhnach dhaoin’ a’ cluich air bruaich na h-uaigh; Samhlach’ air a’ chaochladh obann thig air glòir cinn-fheadhn’ an t-sluaigh; Cosmhuil ris na sonais mheallta thug a thaoibh le buaidh am bréig Nochdaidh na Fir-Chlis an t-slighe dh’ ionnsuidh dorchadas an éig. ’Nuair a sheargas blàth an fhoghair. ’s a thig crìonadh air gach fàs Chithear na Fir-Chlis a’ dannsa ris a’ cheòl a théid roimh ’n bhàs; ’Nuair a shéideas anail reòite ann an sàmhachd fhuair na h-oidhch’ Dealraidh Gathan-Clis na Fìrinn bheir an t-anam seach air caoidh. LUTHER AGUS SUINGLE. An uair a bha Suingle a’ saothrachadh an tìr nam beann bha Lùther rís an obair cheudna an tìr a’ chòmhnaird. Bha iad le chéile ann an seirbhis an aon mhàighstir: shuidhich mac cìobar Chille-Ghòill agus manach Erfuirt an cridhe air an aon obair,—ath-leasachadh eaglais an aithrichean; agus rè ùine mhisnich íad càch a chéile ’nuair bu mhò an éigin. Ach fa-dheòidh sguir sud; thàinig fuachd eatorra; agus chunnacas iadsan a chog cho fada agus cho dìleas taobh ri taobh air an aon bhlàr, agus ris an aon nàmhaid—a’ Phàpanachas—a’ tionndadh air aon a chéile. B’ i a’ cheisd a bha eatorra, am bheil corp an Tighearna Iosa da rìreadh, gu litearail, no gu h-achdaidh an làthair againn anns an aran agus anns an fhìon a tha air am beannachadh? Thubhairt Lùther gu bheil e mar sud an làthair doibhsan uile a ghabhas an t-sàcramaid le creidimh. Thubhairt Suingle nach ’eil corp ar Slànuigheir an làthair mar sud do neach ’sam bith; gur samhlachan a mhain air a’ chorp a chaidh a bhriseadh agus aìr an fhuil a chaìdh a dhòrtadh a tha ’s an aran agus ’s an fhìon, eadhoin an deígh dhoibh a bhi air an coisrigeadh—se sin air an cur air leth air son feum naomha le beannachadh iarraidh orra; agus gur e an aon seadh ’san urrainn do chorp Iosa a bhi an làthair so—E a bhi [TD 3] ann an sùil no ann an sealladh creidimh an anama—beachd no lorg creidmheachail a bhi aige air cliù pearsa agus obair an Tì ud a dh’fhuiling ann a chorp fèin air a’ chrann. Bha iad araon doilich nach rohh iad a’ faicinn sùil ri sùil; agus choinnich iad am Marpburg gus a’ chùis a réiteach—gu cath no còrdadh. Chruinnich mòran sluaigh gus a’ choinneamh—manaich agus maithean araon; bha Melancthon an làthair air taobh Luther agus Muconius air taobh Suingle, agus le chèile cho eudmhor agus comasach gus an taobh fèin a dhíon. An dèigh mòran bruidhneadh, reusonachaidh, agus mìneachaidh, thuig iad nach b’ urrainn doibh còrdadh air puing sàcramaid na suipeir; ach thuig iad mar an ceudna gu robh iad ag còrdadh mòran ni bu mhò air gach puing eile air an do labhair iad na shaoil leotha mu ’n d’ thàinig iad cruinn: air son so thug iad buidheachas Dha-san do ’n d’ aidich iad faraon a bhi cunntasach airson an creidimh agus an cleachdaidh; agus dhealaich iad ag ràdh,—Fàgaidh sinn aig Dia agus aig ùine a’ phuing ud gus a socrachadh. Shaoil le Lùther an uair a sgrìobh e na briathra so air a’ bhòrd: “’Se so mo chorp-sa”—gu ’n do dhaingnich e a thaobh féin dhe ’n cheisd. Ach sgrìobh Suingle ann an “Leabhar Aideachaidh a’ Chreidimh” mar a leanas: Tha mi ag creidsinn gu bheil fìor chorp Chriosd a làthair ’san t-suipeir naomha do shùil a’ chreidimh; gu bheil e a làthair dhoibh-san a tha “toirt buidheachais do Dhia airson beannachdan cosnaidh Chriosd, agus airson gu ’n do ghabh e d’ a ionnsuidh fìor chorp ’s an d’ fhuiling e fìor bhàs, gus ar peacanna a ghlanadh air, falbh le ’fhuil féin; agus mar so gu bheil na rinn Criosd, mar gu ’m b’ ’eadh a làthair do shùil a’ chreidimh. Ach a ràdh gu bheil corp Chriosd ’na shuspain, gu nàdurrach, da rìreadh a làthair ’s an t-suipeir—gu bheil e air a ghabhail a stigh leinn ann ar beul, agus air a chagnadh leinn eadar ar fiaclaibh (mar a’ deir Pàpanaich, agus cuid eile a tha ’g amharc ás an déigh gu poitibh feòla na h-Eiphit)—sin tha mi ag àicheadh, agus ag ràdh gu neo-sgathach gur mearachd e a tha calg-dhìreach an aghaidh teagasg Focal Dhè. Gabhaidh cuid iongantas mòr an uair a dh’ innsear doibh gu robh diadhairean cho ainmeil agus eudmhor ri Lùther agus Suingle ag eadar-dhealachadh ann am beachd mu phuing cho cudthromach rithe sud a dh’ ainmicheadh. Nach e an aon Bhìobull a bh’ aca, agus nach ann ’san aon linn a bha iad beò? Gun teagamh. Tha e mar an ceudna fìor gur e aon spiorad a ghluais iad gus an Eaglais ath-leasachadh; agus gu’n d’ rinn iad saothair leis na h-aon innealan gus an aon chrìoch—fìor ath-leasachadh sgriobtuireil—a thoirt mu ’n cuairt; agus gidheadh bha iad ag eadar-dhealachadh ’nam beachdan mar a chunnaic sinn. Ach bha iad ’nan dithis, agus cha ’n ann ’n an aon, araon a thaobh suidheachadh inntinn agus mar air an cuairteachadh ’s an fhreasdal le eadar-dhealachadh shuidhichidhean—is ann an so, a réir ar barail-ne, a gheibhear sùil-èìridh an dealaichidhean. Thugamaid fainear na smuaintean a leanas, air a’ phuing so. (1) Air tùs, an uair a ghabh iad ris an fhirinn bha iad ag eadar-dhealachadh ann an eachdraidh uaigneach an anama. Bha Lùther ’na fhìor phàpanach—’na phàpanach anns a’ chridhe—mu’n robh e ’na fhìor dheisciobul aig Criosd. [TD 4] ’Sann an dèigh e fèin a shàrachadh ag iarruidh saorsa d’a anam ann am fuar chràbhadh agus naomh oibre na pàpanachais a thilg se e fèin ann an gàirdeanan ùghdar na Slàinte sin air am bheil am Biòbull a’ deanamh sgeul. Ach cha robh Suingle riamh ’na fhìor phàpanach ’san t-seadh ’san robh Luther. Bha e ’na shagart ’san eaglais phàpanaich; ach cha robh a chridhe riamh gu mòr air a tharruing le creud no cleachdadh na h-eaglais ’san d’fhuair e’àrach òg. ’Sann a ghabh e fois agus fior thlachd anns an fhirinn an dèigh’anam bochd a shàrachadh le beachdan neo-riarachail agus neo-bheathachail fheallsanach agus dhiadhairean; agus an uair a thug e a chridhe do’n fhocal ’sann le faireachadh air nach fìor bheathachadh dha-san dìomhanasan diomain an t-saoghail. Thàinig Luther gus a’Bhìobull a dh’iarruidh sìth d’a choguis. Fhuair Luther sin a shir e ann an teagasg an fhìreanachaidh; agus fhuair Suingle sin a dh’iarr e fèin ann an co-chòrdadh maiseach agus ìongantach uile theagasgan na fìrinn. (2) A rìs, ghabh iad beachd air ceum an dleasnais feìn mar ath-leasaichean a bha dealaichte: Cha b’ann air an aon dòigh a chaidh iad an ceann na h-obair. Thuig Lùther gu robh obair mhòr ri’bhi air a deanamh ’na latha fèin ’sa’Ghearmailt; agus chual e focal Dhè le uile ùghdarras na flaitheanas a’ labhairt ris-fèin ann an uaigneas a sheòmair, agus ag àithneadh dhà-san mar anam air leth tòiseachadh oirre gun dàil. ’Sann le iomadh ùrnuigh agus osna agus deur a thoìsich e rithe ’n a mhanach aonaranach bochd; ach a lìon ceum agus ceum chaidh e air ’aghaidh gu neo-sgàthach agus gu creidmheachail; oir chuimhnich e gur ann do Dhia na fìrinn a mhàin a bha e cunntachaìl, agus chreid e gu’m b’fhearr deadh choguis ’san anam na deadh chliù ’san Eaglais. Chunnaic Suingle mar an ceudna gu robh a luchd dùthcha fèin ag cur mòr fheum air ath-leasachadh; agus thuig e nach deanadh ni atharrachadh fìor a thoirt orra ach sin e thug buaidh air féin—an soisgeul. Thòisich e a’deanamh aithnichte do a choithional an soisgeul sud a chaidh a dheanamh cho milis d’a chridhe fèin; dh’amhairc e suas gu Dia air son soluis agus beatha; agus chaidh e do’n chùbaid le cabhaig bheannaichte gus na firinnean a rinneadh ’nam beatha d’a fèin a thabhairt blath gu inntinnean agus cridheachan a shluaigh: Agus an uair a chuir e an fhìrinn an cèill do dhaoine le dìlseachd agus dùrachd shaoil leis gu robh’obair-san air a deanamh. Dh’fhàg e aig an t-soisgeul fèin ath-leasachadh an t-sluaigh ri ùine. Uime so cha’n ’eil sinn a’ togail gu robh mòr chabhaig air aig tòiseachadh an leasachaidh gus cur as do chleachdadh pàpanachail sam bith le làmhachas-làidir, eadhoin cleachdanna a bha calg-dhìreach an aghaidh a theagasgan fèin. B’fhearr leis gu mòr feitheamh ri ath-leasachadh aig am biodh a fhreumhan domhain ann an inntinne soillsichte agus eud air a stiùireadh le focal Dhè. Cha robh a dhìth air Lùther ach ceum a choise fèin a shocrachadh, agus ghlaodhadh e air na h-uile a leantuinn. Ach dh’fheitheadh Suingle gus an tigeadh bulk mòr an t-sluaigh gu a bhi dhe ’n aon bheachd ris fèin. Agus fadheòidh an uair a thuig iad nach robh an dleasnas gu h-iomlan ag co-sheasamh ann a bhi a leagail a sìos gu robh aca mar an ceudna ri togail suas aitreabh nuaidh, bha sud fìor do an taobh mar luchd togail. Cha’n fhuilìngeadh Suingle clach a chur an aitreabh eaglais an ath-leasachaidh nach robh air a toirt à quarry na fìrinn; agus un do chàraich e’na [TD 5] h-àite ’san togail i rinn e soillear do na h-uile gu’m b’fhior chlach a quarry na fìrinn i. Cha robh Lùther cho fìor fhaiciollach a sud. B’e ceisd Lùther ris na clachairean, ciod a tha am Bìobull a’toirmeasg; ach b’e ceisd Suingle, ciod a ta e ag àithne? Do bhrìgh sud bha eaglais Suingle air a cur suas ro rianail, ro mhaith agus ro dhaingean. (3) Mar an treas ni bheir sinn fainear am beachdan mu dhaìmh na h-eaglais do’n staìd. Dh’amhairc Lùther air an eaglais—air a luchd dreuchd mar dealaichte o’n stàid. Cha bhiodh a’bheag sam bith de ghnothuch aige-san ri nithe a bhuineadh do’n stàid: Cha robh annta sud ach dleasnasa timeil, no secular; agus ’sann ri dleasnais spioradail a bhiodh aige ri ’dheanamh gu h-iomlan. Cha do mheas e iomchuidh gu’m biodh a’bheag a cheangal no a chòrdadh eadar an Eaglais ath-leasaichte agus an stáid, Ach chreid Suingle gu’m beil ùghdarras Dhé air an stàid mar air an Eaglais; Chreid e mar an ceudna gur e dleasnas gach neach a bhi’n a chrìosduidh, agus dleasnas gach crìosduidh, cho maith ri a shochair. a bhi’na bhall araon dhe’n Eaglais agus dhe’n stàid; agus uime sin cha b’urrainn d’a thuigsinn carson nach biodh dlùth aonadh eatorra. Is ann do bhrìgh sud a thachair e ’nuair a gheur-leanadh Suingle gu ’n do thog e a chùis, cha ’n ann gu luchd riaghlaidh na h-Eaglais. mar a rinn Luther, ach gu luchd righlaidh a dhùthcha—gu maithean Shùrich. Ghairm e gu duineil air na h-uile an dleasnais a chuimhneachadh araon do’n Eaglais agus do’n stàid; agus rinn e féin mar a dh’àithn e do chàch; oir chaith e a bheatha ag ath-leasachadh na h-Eaglais, agus chrìochnaich e a thurus a’ dìon na stàid ath-leasaichte le a chlaidheamh ’na dhòrn air a’bhlàr. AN DIADHACHD IS CLEASACHD. NO DEADH BHEUS AGUS “SOIREES.” Is mòr cumhachd na h-eiseimpleir. Is i eiseimpleir togail a’ Chroinn-cheusaidh cnaimh-droma na diadhachd. Thug gliocas ar sinnsre a mach an fhìrinn so ann an gnath-fhocal. “Is e an rud a chì na big a ni na big; is e an rud a chluinneas iad a chanas iad.” Tha teagasgan na diadhachd air an sònrachadh air son a’ phrionnsapal so;—air an altachadh a steach ri freumhan oidheirp aithriseach an duine. A thaobh na cùis so is i an aon ghnè a tha anns na big agus anns na mòir mar is e nádur daonna an t-aon ni anns gach àit. A’ sruthadh troimh làraich raon na h-eiseimpleir gheibh sinn dà allt a’ ruith taobh ri taobh —— aon diubh a’ tilgeadh a thonnan breun salach fa-dheòidh ann an cuan a’ bhròin; an t-aon eile a’ taomadh a thachdar sruth-ghlainte, deadh-bholtrach, agus fìor-ghlan ann an cuan na beatha. Tha an cinne-daonna gu h-iomlan an taobh a steach do raon na h-eiseimpleir so; tha aon chuid air an giùlan air falbh air sruth an droch cleachdaidh; a’ chuid eile, ’g an glanadh féin o shal an t-saoghail is a’ pheacaidh, tha air an giùlan air sruth beatha a’ chleachdaidh dhiadhaidh. A nis tha e soilleir gu ’m feum neach a bhi leis an dara aon no an t-aon eile. Buadhaichidh an droch no an deadh [TD 6] chleachdadh. Cha ’n ’eil staid mheadhonach ann. Tha gach neach fo bhuaidh aon chuid, prionnsapal a’ pheacaidh do na naomhachd; aon chuid a’ dol fodha ’san doimhne no ag éiridh gu rìoghachd an t-soluis. Cha ’n ’eil staid no inbhe neo-ghluasadach eadar nèamh is ifrinn; tha gach anam beò aon chuid ag éiridh no a’ tuiteam. Tha aoradh gach neach aon chuid aig Dia Nèimh no aig Baäl an t-saoghail; agus mar nach còrd dorchadas is solus mar sin cha chòrd luchd-leanmhuinn Dhia na Fìrinn ri ìochdarain Phrionnsa na Bréige,—cha bhi comunn aig an Diadhachd ri Cleasachd Bhaäil. Agus gheibhear far nach’eil an t-eadar-dhealachadh air aideachadh ann an cleachdadh, ged a dh’ fheudas e bhi ann an ainm, gur h-ann do theaghlach Bhaäil iad uile. Mar thachair ann an tomhas anns gach lìnn, ach gu h-àraidh ’nar lìnn féin gheibh sinn oidheirp air a deanamh an saoghal gun Dia agus an Eaglais a thoirt gu còrdadh—a ’n toirt fo ’n aon ainm; ach fad agus a gheidheas an Fhìrinn a brìgh agus a’ Bhreug a brìgh féin,—fad agus a bhitheas an Diadhachd an ni a ta i agus am Peacadh an ni a ta esan, cho fada sin gheibhear e eu-comasach càirdeas a ghintinn eadar Diadhachd na Beatha maireannaich agus cleasachd bhàsmhor an dé Baäl. Air do ’n phrionnsapal so a bhi cho soilleir cha bhiodh e cèarr a cho-chur ri cleachdaidhean nan coinneamhan Gàidhleach is Gallda ris an canar “Soirees,” “Gatherings,” “Re-unions,” agus an còrr.—Gu sònruichte a dh’ fhaicinn ciod e dleasannas an fhìor Chrìosduidh d’an taobh;—an còir da an aideachadh le a làthaireachd no nach còir? Air tùs feudar a ràdh mar a thòisich iad an toiseach nach robh iad cho suarach,—nach robh iad cho mi-choltach ri cleachdadh reusonta inntinn is cuirp,—cha robh iad cho coltach ri Eiphit shalach nam mi-dhiadhaidh anns an robh dorchadas modhannail a’ cur ás do sholus nan deadh bheus is na diadhachd. Ach a nis tha iad air fàs cho truaillidh ’nan rùintean agus ’nan dòighean oibreachaidh gus nach faigh iad ministeir soisgeulach a théid ’n an còir, na fìor Chrìosduidh aig am bheil meas air cliù na diadhachd, na eadhon neach anns am bheil srad do dhuinealas spioradail a bhiodh deònach eudach a shuathadh ri mòran do luchd-taghail nan soirees ud far nach fuilingear focal air dead-bheus, deadh chaithe-beatha, no leas spioradail,—agus mar sin ùghdarras Dhia air àicheadh—boinn na modhalachd agus na naomhachd air an tilgeadh air chùl, agus far am faigh thu mar thoradh air sud uile, troimh-chéile, misg, is cluich droch anamianna,—an oidhche a’ crìochnachadh ann am fuil theagamh, agus “am bata mòr de ’n ghlas darach tighinn tarsuinn air na cìolan!” Is iad so na co-dhùnaidhean gus an d’ thàinig mi féin an déigh dol a dh’ fhaicinn aon no dhà dhiubh,—an déigh sealltuinn orra gu geur cuideachd. (1) Nach ’eil beatha na diadhachd ro làidir anns an neach a’s urrainn suidhe riaraichte fad oidhche ag amharc air an dol air aghaidh. (2) Gu’m bheil e toirt tàire no dimeas agus a’ deanamh amadan do neach a bhi ’na fhear-comuinn do na h-òrain is do ’n chleasachd shalaich a chithear air a’ Phlatform. (3) Nach mòr meas a tha aig an nighinn no an lady oirra féin a théid a dhannsadh le fir nach leig an nàire dhoibh am peathraichean féin a thoirt leotha. Agus (4) a bhrìgh nam fear agus nam mnathan neo-chunbhallach a gheibhear an sud am measg dhaoine cneasda. [TD 7] GAIDHEIL GHOBHAIN. Cha mhòr thuineachais bheaga ’s am faighear uibhir Ghàidheal ri Gobhan. Tha so ag éirigh an cuid o fhreagaireachd an àite air son cosnaidh. O cheann gu ceann do’n bhliadhna tha mòran do luchd-fuadain a’ tathaich a’ bhaile, gu h-àraidh fad leth bhliadhna a’ gheamhruidh. Chuir gamhlas Ghall agus sìolmhoireachd chaorach fàs dachaidhean nan laoch. Le ana-ceartas nam maor-fuinn bhior-shuileach ’s nan seamarlan ain-iochdmhor a tha ’nan gillean-gach-gnothuich aig tighearnan an-tighearnail fearainn tha na Gàidheil bhochda mar shal droch mhiotailt air an co-éigneachadh gu dol a chosnadh am beò-shlainte gu raointean is bailtean coigrich. Tha cho beag misnich air a toirt do Eileanaich is do Mhòr-Thìrich gus am bheil a’ chuid a’s oidhirpiche dhiubh a’ tighinn a los an lòn a sholar car tacuin air bruachan ceòthragach toiteach Chluaidh na gleadhraich. Cha ’n fhada bhitheas òigeara stuama is òighean subhailceach na Gàilig ’s an àite so mar a mhaolaicheas am faireachduin gheur-chuiseach mu pheacaidhean fasanta cumanta ’s a bhitheas am beachdan fìor-ghlan mu anamianna an-dligheach air an truailleadh. ’S aithne domh iad ann an Gobhan a bha car tamuill fo champar le caitheadh beatha neo-ghlan nam mi-bheusach am measg an robh aca am bith, am beatha, is an gluasad. Feudaidh cuid a bhi mar so ré ùine air an cràdh le bhi faicinn agus a’ clunntinn gnìomharan an-dligheach nan an-diadhaidh, ach o’n mhilleas droch comhluadair deadh-bheus, cha’n fhada gus an cuir ar càirdean Gàidhleach dhiubh eòlas na nàire’s gus an gniomhaich iad olc cho-beag-nàrach ris na feadhain a rugadh agus a thogadh ann an droch cleachdanna follaiseach. Tha dà choithional bheag Ghàidhleach ann an Gobhan. Seachnadh na Gàidheil uasal, a ta ’nan allabanaich ann an Gobhan, allamharaich Philisteach an Uisge-bhàis, agus fanadh iad fad na làimhe o na borb-bhriathraich a bhitheas a strìth ri sùilean an tuigse a dhorchadh agus ri beòthas an coguis a mhùchadh chum ciomaich a dheanamh dhiubh ann am prìosan dearmaid air meadhona nan gràs. Le so a dheanamh fàsaidh na Gàidheil treun ann an neart modhannail agus spioradail, agus cuiridh iad ruaig air feachd nan coimheach. Bha mi o cheann ghoirid a’ dol sgrìob feadh nan tighean ann an Gobhan le leabhrain bheaga a bhi mi a’ fagail gus an leughadh thall agus a bhos. Ràinig mi tigh Mhairi Eoghain. Bhuail mi aig an dorus. Cha robh Mairi aig an tigh, ach dh’ innis a màthair dhomh gu ’n deach i a dh’ fhacinn dé mar bha iad aig Ceit. Thuirt an t-seana-bhean rium, le deòir is osnaidh gu ’n cual iad ’s a’ mhaduinn gu’n robh fear Cheit ’na luidhe ’s an fhiabhrus. Dh’ fhàg mi aon do shearmoinean Spurgeon aig mo bhana-charaid, agus gheall mi gu’n sealluinn a stigh an ath là. Rinn mi so agus mar a thuirt b’ fhìor, bha teaghlach a h-ighin fo’n teasaich. Cha robh aig Seumas is Ceit ach aon bhalachan, agus thug Mairi piuthar a mhàthar leatha e gu tigh a sheana-mhathar. Bha Niall beag mu aois dheich bliadhna. An là so bha e ’na shuidhe air stòl beag aig glùin a sheana-mhathar a leughadh na searmoin. Cha’n fheudadh Mairi dad dheth so a chluinntinn oir bha i cho saoghalta gus nach éisdeadh i r’an [TD 8] comhradh. Dh’ fhàg mi aig Niall beag leabhran d’an robh mòr thlachd aige ris an abrar, Eanruig Beag agus ’Fhear-giùlain.” An ceann là no dhà chaidh mi a shealltuinn a rìs air a’ chàraid ionmhuinn so. Bha Mairi a’ glanadh an làir, agus an dorus fosgailte. Thuirt mi rithe gu’n robh mi toirt leabhran beag gu Niall. Cha do sheall i orm, thuirt i le guth feargach gheibh Niall bochd gu leòir do’n t-seòrsa sin ach b’ fheàrra dha mìr feòla fhaotainn a dheanamh brot dha. Bha fios agam nach robh so fìor, oir cha do chuir a mhàthair e le làimh lom, gus an tigh, ach ged chuireadh bha dòigh mhaith aig a sheana-mhathair air. B’e brìgh seanachais Mhairi gu’m bu toigh leatha deur beag, agus bha i ’n dùil gu’m faigheadh i rud-éigin uamsa air son so. Choisinn Niall gràdh Mhairi. Air dha là àraidh searmoin mu’n t-sìoladair a leughadh dhi, thàinig i mar pheacach gu druideadh ri Criosd. Chaidh athair ìs màthair Néill am feabhas. Rinn Dia meadhon dheth gu anam a chosnadh. Leanadh balaich Ghobhan a cheum. “A beul naoidhean agus chìochran dh’ òrduich thu neart.” E. M. L. NA H-EAGLAISEAN GAIDHLEACH. Tha e iomchuidh gu ’n innseamaid do ar leughadairean mu ’n obair ionmholta a tha air a cumail air a h-aghaidh am measg ar luchddùthcha anns na bailtibh mòra—an Abar-Eadhain, an Dùn-deadha, an Dùn-Eideann. an Glaschu, am Paislig, agus an Grianaig is an àitean eile. Ni sinn tòiseachadh mu Ghàidheil Ghlaschu a bhrigh na bheil anns a’ bhaile sin diubh. Tha sinn a’ creidsinn nach ’eil e geàrr air ceud mìle na bheil de Ghàidheil an Glaschu eadar an fheadhainn a tha air ùr thighinn ann agus na tha air socrachadh ann o cheann ceud bliadhna. Cha bhi thar a thri uiread feadh na Gàidhealtachd féin. Tha mòran a tha air an cainnt mhàthreil a chall; ged a tha mòran aig am bheil i gu fallan fathast. Cha ’n ’eil dreuchd, àite, no dàimh, àrd no iosal, anns nach faigh thu na Gàidheil; gheibhear iad air an sgaoileadh feadh cheàrnan a’ bhaile gu h-iomlan. A fhrithealadh air a’ mhuinntir so ’nan cànain fèin rinn na h-Eaglaisean oidheirpean ionmholta air meadhonan nan gràs a’ chur a ’n ionnsuidh. Tha cùig eaglaisean Gàidhleach ann an Glaschu. Tha aon an Gobhan. Tha missionary Gàidhleach an Gobhan a bhàrr air so. Tha fear am Partick, am Màryhill agus trì an Glaschu fo riaghladh a’ Highland Missionary Society. A bhàrr air na cùig eaglaisean suidhichte tha eaglais mission eile an Glaschu a chuireadh air chois o cheann ghoirid. Tha mar so eadar mhissionaries agus mhinisteirean tri pearsa deug a’ cumail seirbheis Ghàilig air a h-aghaidh ann an Glaschu agus mu chrìochaibh. Tha a bhàrr orra so a tha air an cumail suas agus air am pàidheadh gu cleachdail, muinntir eile ann a tha gleidheadh choinneimhean air an t-Sàbaid agus ’n a uairean air an t-seachduinn:—gu h-àraidh a’ mhuinntir a tha cumail nan coinneimhean aig an drochaid agus ’na dhéigh sin ann an Talla ann an Sràid Iamaica. A bhàrr air so a rìs tha cuid de na h-oileineich Ghàidhleach a’ gleidheadh choinneamhan ’sa’ gheamhradh o thigh gu tigh. Ann an àireamh ri teachd bheirear iomradh air na meadhonan so agus air na h-eaglaisean fa leth. [TD 9] EILEIN STAFFA. LEIS AN URR. U. MACGILLEBHRA, D.D. Tha eilein I, a tha mu thrì míle air fad agus mu aon air leud ann a luidhe bhàrr slios-mara Mhuile, agus is e aon de bhagaid eileinean a tharruing thuca aire an nàdurraich, a’ bhàird, agus an eachdraidheir eaglaiseil. Ag amharc orra o cheann Aird-na-Murchann chithear na h-eileinean so ag éirigh á broilleach buaireasach na doimhne agus a’ [Dealbh] NA PUIST MHARMOR. UAMHA NAN SLIGEAN. UAMHA FHINN. [TD 10] deanamh suas le chéile seòrsa de bhàbhuinn bhriste an aghaidh brùchd-ruith throm a’ mhòr chuain. Ré roinn mhòir na bliadhna tha iad ann an staid aonaraich, dall agus tiamhuidh a’ codal am meadhon toirm srùlach nan tonn far am bheil iad air am fiosrachadh le allaban nan eun-mara a mhàin—creutairean is iad fir-ghaoil nàduir mar a tha i agus an t-saoghail mar a bha e. Fagus do I tha eilein Staffa, le shreath phuist ghreadhnach marmor, agus le chabhsair fo uachdar-na-mara. Tha aghaidh nàdurra an eilein so a’ comh-chòrdadh gu h-iongantach ri cliù beul-aithriseach I, agus tha aitreabh gnè-chruthach an aoin a’ freagairt air mhodh iongantach do choslas eaglaiseil an aoin eile. Tha so gu h-àraidh fìor mu chladach sear Staffa far am bheil na puist fheadanach agus na h-uamhan ainmeil air an suidheachadh. Gabhaidh na sluic so, a tha air an cuartachadh le eudain chloiche mar bhalla eaglais no teampuill, dol a steach annta le bàta ri uair shèamh. An uair a tha com na fairge air chrith is gailbheach, mar is tric a thachras, gheibh neach do ’n aon is mò dhiubh le coiseachd air sgilp chaoil a tha ag éiridh beagan throidhean os ceann còmhnard an uisge. ’Na sheasamh air a’ sgilp so feudaidh am fear-tathaich na tuinn fhaicinn mar a tha iad a’ brùchdadh a steach aig beul na h-uamha, agus a’ cuairsgeadh a suas gus an oir is faide ás, a’ bodhradh le an gàirich, agus a’ cliathadh an àird dòmhlachd cop-mara! Ma ta grinneas ’s am bith air a shiubhal cha ’n urrainn e gun an aire a thoirt do chuma mhaiseich na togalaich ìongantaich so a tha ann am bòichead is an greadhnachas a’ dol fad os ceann oidhirpean aithriseach an duine. Tha òrdugh suidhichte a’ phuist throma, òirdhearcas dorcha a’ mhullaich, agus an cabhsair safir a tha a’ mhuir a’ deanamh do ’n teampull stàiteil ’n uair a tha i ciùin, a’ nochdadh duinn deilbh, a tha araon sònraichte agus drùighteach. A ghabhail cainnt bhàrdeil Sir Walter Scott, a sgaoil solus a bhàrdachd eadhon gus na h-eileinean aonarach so: “A thabhairt nàir’ do theampuill dhaoin’ A thionnsgainn innleachd thalmhaidh fhaoin, Shaoilteadh gu ’n d’ thog Nàdur féin Tigh-aoraidh do a Cruithfhear treun! Cha b’ann gu feum a b’isle chrom A boghan cloich’ ’s a colbhan trom; Cha b’ann air rùn bu lugha fonn A sheirm an tràigh ’s muir-lan nan tonn Le nualan oillt ’s a tharruinn guth Ro àrd eug-samhuil mach á cruth A’ bhogha àird; ’s an ceol ri tàr Air inneil-chiùil nach fhiù ’nan làth ’r. A dhorus-beòil ro ghreadhnach chi Thu dearc’ air teampull naomh seann I, A chum gu ’m feudadh Staffa sgeul Mar so ri I a chur an céill: A Leinibh Chrè air bheagan feirt Is math a fhuaradh tu le d’ neart, Dh’ fhàg togail t’ arois fann do threòir Ach seall air m’ fhears’ le m’ aitreibh mhòir!” [TD 11] ARAN BRISTE. Bi cinteach gu ’m bheil do stéidh math agus an sin bi cinnteach gu’n seas thu air do stéidh. Cha d’earb mi riamh á Dia gun fhaotainn fìrinneach na á mo chridhe féin gun fhaotainn mealltach. Tha buairidhean mar eighe no mar lìomhan a chaitheas ás mòran do mheirg na féin-earbsa. Mur gleidh thu uaill a mach á t’ anam agus t’ anam a’ mach á uaill gleidhidh Dia t’ anam a mach á néamh. Tha comhairle mar an sneachd, mar is tlàithe a thuiteas i is ann is faide a luidheas i agus a théid i fodha anns an inntinn. ’Nuair a smuainicheas sinn air a’ bhàs tha mìle peacadh air an do shaltair sinn mar chnuimhean fo ar cosaibh, ag éiridh a suas ’n ar n-aghaidh cosmhuil ri nathraichibh loisgeach. Tha beatha aig na creidmhich air nach ruig am bàs a chaoidh. “Tha m’uallach aotram,” thuirt am Fear-saoraidh beannaichte. Seadh uallach aotram a tha ’g a ghiùlan-san air am bheil e. Dh’ amhairc mi troimh ’n chruinne-chè uile air son ni cosmhuil ri so, agus saoilidh mi gu ’n d’ fhuair mi samhladh air ann an sgiathan an eòin. Tha na sgiathan air an giùlan leis a’ chreutair ach is iadsan a tha ’g a chumail suas ’n a réis troimh ealtainn nèimh. Tha peacaich cosmhuil ri snàmhaichean a tha gu mi-chùramach a’ snàmh sìos leis an t-sruth ni ’s dòcha na a’ deanamh oidheirp snàmh an aghaidh an t-srutha agus a’ bhruach fhaotainn. Ruigidh iad an cuan fa-dheòidh, agus ’nuair a tha iad a’ cluinntinn nam bristidh, agus a’ faicinn cobhar mullach nan tonn, tha iad a’ gabhail an eagail ach tha e anmoch; tha an sruth a nis ro làidir air an son, tha an sléisdean gun mhothachadh agus fann a dhìth cleachdaidh; neo-fhreagarrach agus neo-ullamh tha iad air an deifreachadh do chuan na sìorruidheachd. CALUM MACNEILL. Tha mi cur thugaibh a’ phaipeir so ann an dùil, ma mheasas sibh freagarrach e air son na Brataich, gu’m feuch sibh ri àite fhaotainn dhà ann an áireamh thràth dhith. Cunntas aithghearr, mu bheatha, agus mu bhás Chalium ic Néill, ris an abairte gu minic, Calum Ruadh. Rugadh an duine math so ann an Eilean Cholasa, anns a’ bhliadhna 1788, agus chaochail e, anns a’ bhliadhna 1873; agus anns an t-sè agus ceithir fichead d’a aois. ’S an àm an d’rugadh ar caraid, fada roimhe, agus treis ’na dhéigh, cha robh aobhar na fìrinn ach ann an staid ìosail mhairbh, air feadh Eileana na Gàidhealtachd air fad. Cha robh am Bíobal ach ùine ro ghoirid roimhe so, air eadar theangachadh; agus cha’n fhac a chuid mhòr do’n t-sluagh, Bìobal riamh. Bha na Ministirean fad o cheile, agus an àireamh a bu mhò dhiubh, mar an ceudna, fad o Dhia, mar a bu chosmhuil do’n chùis a bhith, ás eughmhais an fhocail. Cha robh dol as aig ar Caraid ’o na [TD 12] h-uilc dh’ fhéumadh a bhi dol an cois a leithid so do staid. Ach, eadhon anns t-suidheachadh dhorcha so bha àireamh mhór do ’n t-sluagh, anns an robh mòran do na buaidhean ionmholta sin a’dealradh, a dh’ fheumas a bhi comharrachadh caithe beatha gach aoin aig am bheil gràdh do Dhia Gus an deachaidh a cheud deich bliadhna fichead d’ a aois seachad, cha robh Calum Ruadh comharraichte, am measg a chompanach, ’s a chomh-aoisean féin mu’n cuairt, air son ni ’san bith; mur b’ ann, air son meud a shuairceis, agus a dheadh bheus. Mu ’n bhliadhna 1818, tháinig an rathad an Eilein, aon, no dha, do na Missionaries, a bha, goirid roimhe sin, air an cur a mach, leis a’ chuideachd à bha Seumas agus Rob Haldane, a’ gabhaìl na làimh thòisich ’n am measg. Dh ’fhan iad àireamh do Shábaidean a’ searmonachadh an t-soisgeil. Bha mòran a’ dol g’ an éisdeachd, agus toileach a bhi creidsinn, gu’m faodadh iad a bhì’nan daoine math; ach cha mhòr leis nach bu mhath fantuinn fad na laimhe uatha, air chor’s gu’m b’urrainn iad teicheadh nan tigeadh feum air. Dh’ fhag na daoine so an t-Eilean aig an àm, ach cha d’ fhàg am focal a labhair iad e. Thog na nithe a labhair iad, maille r’an dànachd, agus r’ an dùrachd luan mor am measg an t-sluaigh. Thòisich beagan do na daoine air am mò rinn na fìrinnean a bha air an labhairt do dhrùghadh, air coinneachan a chumail, agus, car ùine, bha mòran toileach pàirt a ghabhail anns an t-seirbhis. Ach, mar a bha ’n geamhradh a’ruith, bha e fás soilleir nach robh iad uile fo’n aon oibreachadh. Bha e furasd fhaicinn gu’n robh àireamh a bha air an lìonadh leis na firinnean a chual iad agus gu robh rompa an crann-ceusaidh a thogail. A thaobh cuid eile, bha iad mar a rinn Sochaireach, a ghabh an taobh a b’fhaisge d’ an tighean, do shlochd na mi-mhisnich. Am measg na muinntir a dh’ ainmicheadh air tùs, bha Calum Ruadh. Air an ath shamhradh, tháinig Mr Sinclair, (a’ ministir ruadh, mar a theirte gu tric ris,) air ais; agus, an deigh ùine àraidh a chaitheadh, ann an searmonachadh an t-soisgeil, agus a’ mìneachadh òrdugh a’ bhaistidh, chaidh an t-òrdugh a fhrithealadh do,n mheud ’s a thàinig air an aghaidh, agus a bha air am meas iomchuidh air a shon, le aidmheil an creidimh ann an Criosd. B’e so a’ cheud bhaisteadh a rinneadh riamh anns an dùthaich, agus fad’s a bhios duine do’n a chunnaic e beò cha téid e air diochuimhe anns an Eilean. Bha mòran thighean a bha, gu litireil, air an roinn, gach aon ’na aghaidh fein. Bha fir agus am mnathan, pàrantan agus an clann, air an roinn an aghaidh a chéìle. Aig an àm so chaidh ar caraid a bhaisteadh, agus gach là, mar a bha ’n ùine ruith, bha e fàs ni bu shoilleire, gu’n d’ fhuair cumhachd nuadh éigin greim air, agus gu’m b’e am focal a chuala e air a shearmonachadh, leis an d’ thàinig i. An ceann ùine ghoirid ’na dhéigh so bha am morbhan a thog na nithe so ann am measg an t-sluaigh, gu mòr air àrdachadh, le iompachadh, agus baisteadh dithisd do nìgheanan an uachdrain. Bha nis fearg an uachdrain air éiridh, agus chuir e beagan do na daoine chaidh a bhaisteadh ás an dùthaich; agus ’nam measg so bha Calum Ruadh. Chaidh ùine seachad, ’s mar a bha i ruith, bha ’n “Laird” a’ toirt fainear, gu ’n robh an t-uachdran ùr, a bha nis a’ cur roimhe làmh a bhi aige féin [TD 13] ann an riaghaladh nan daoine, tuillidh ’s a chòir air a shon; agus a bhàrr, air sin, nach d’ rìnn an Creideadh ùr, lunndairean, amadain, balgairean, breugairean no meirlich do aon do na daoine bha g’a leantuinn. Ri h-ùine, fhuair ar caraid e féin a rìs ann an seirbhis an uachdrain. Air là, àraidh, chasaid aon do na seirbhisich eile, Calum Ruadh, ris an “Laird,” air son gu’n robh obair shònruichte gun deanamh, ag ràdh, aig an àm cheudna, “gur h-ann a bha Calum Ruadh a’ feitheamh air ministirean’s nach ann a toirt aire air a ghnothach. Thug an Laird aghaidh gharbh air Calum, a dh’ fheuch r’a leigeil fhaicinn dha, gur h-e fear na casaid e féin a bha anns a’ choire; ach cha’n fhaigheadh e éisdeachd; agus dh’fhàg an Laird e ag ràdh,” “Cha’n fhaod thu ministir ’sam bith a thoirt thun do thigh gun chead uamsa;” d’an d’thug Calum mar fhreagradh, “An uair nach bi tigh agam cha toir mi ministirean ann, ach fad’s a bhitheas, ’s e ’m beatha ann. Cha robh an t-uachdran a nis cho deas air deadh sheìrbhisich a thilgeil uaithe ’s a bha e roimhe, agus chaidh an stoirm seachad gun mhòran tuillidh a bhi uime, esan gun ag a’ fòghlum, gu’n robh an fhìrinn aig Calum, agus a’ bhreug, agus a’ cheilg, aig fear na casaid. An measg a bhràithrean. bha e sònruichte air son a thuigse, agus eòlais, air na scriobtaran; mar an ceudna, air son a shèimheachd, agus fhoighidinn, ann an réiteach aon chùis a rinn ám air bith éiridh, am measg na muinntir ris an robh e ceangailte. Mar fhear labhairt, ged nach robh e air an fhìor thoiseach am measg a bhràithre, bha leithìd do mheas air agus do thlachd dheth, aig an t-sluagh uìle-’s gu’n robh a ghuth anns a’ choinneimh, air éisdeachd, daonnan le toil inntinn. A thaobh a staid anns an t-saoghal, bha e uair ni b’àirde’s uair ni b’ìsle; uair fo ùghdarras agus uair ás eugmhais; ach ciod air bith an suidheachadh ’s an robh e, cha robh ach an t-aon bheachd uime, air feadh an Eilein gu léir. A thaobh trioblaid, fhuair e roinn shaoibhir dhith. Am feadh a bha dheadh bhean, fathasd, ann an àirde a neirt a maise, agus a feumalachd, chaidh a gearradh uaithe, le buille goirid goirt. Thug e leis a nighean mhath, nach robh ach ann an toiseah a tigheadais ’s a teaghlaich, gu Infirmary Ghlascho, air son sgil; far an do bhàsaich i, an ceann beagan làithean; agus o’ n do phill e leatha dhachaidh a cur’na sìneadh ri taobh a màthar. An ceann beagan ùine chaidh e gus an àite cheudna, le bhalachan milis, far an d’ fhàg se e am measg choigreach, agus far, mar an ceudna, an do bhàsaich e a’ feoraich, ion ’s leis an anail mu dheireadh, “C’uin a thig m’ athair.” Mu dhà bhliadhna roimh a bhàs, agus e féin ceangailte ris an leabaìdh, bha fear pòsda math a nighinne, a bha na h-aonar a lathair d’ a theaghlach, air a sgaradh uaipe le bàs aithghearr, agus ise air a fàgail ’na bantraich, le teaghlach trom maoth an earbsa rithe. Tha Calum Ruadh a nis far nach eil àit aig trioblaid no aig bàs. Far an robh e, bith ainm air chuimhne gu bràth, agus mar ola chùbhraidh air a dòrtadh a mach. A leughadair, am miannaicheadh tu, an fhianuis cheudna bhi umad an uair nach bi thu ann ni’s mò? lean ceuman Chaluim Ruaidh, agus na muinntir a tha nis, tre creidimh agus fhoighidinn, a’ sealbhachadh nan geallanna. GILLEASBUIG MACFAIDEIN. [TD 14] TIGHNACLOICHE. V. Bha teaghlach Thighnacloiche beò gu fialaidh, càirdeil, a’ gluasad an taobh a stigh do chrìochan a’ ghràidh dhiadhaidh agus bhràithreil. Bha Mr. Tearlach a’ giùlan thorraidhean a bha a’ nochdadh gu’n robh a thoil ann an gràs agus ann am freasdal cuimte ri toil an Athar Nèamhuidh. Ghabh Rob Ruadh tlachd ann an slighe Dhé; uime sin dh’ òrduich agus choimhead an Tighearna a cheumanna gu léir. Mar Rut o shean bha Mairi Bhàn ’na mnaoi shubhailceich, innte bha cridhe Rob ag earbsadh. Maith dh’ ìocadh i ’s cha b’ e olc do a cailinnibh ’s d’ a nàbuidhibh. A teine-se cha rachadh ás ’s an oidhche fhada gheamhruidh; oir le lion agus olainn bha culaidhean dà-fhillte aice air son a teaghlaich, mar so dh’ aithnichteadh muinntir a tighe ’s na comhlain air sàbaid is air seachduin. Ann an deadh dheanadas agus ann an seirc thug Mari Bhàn Airidh-dhubhairidh bàrr air mòran. Ghràdhaich a Dia i; dhuaisich a maighstir i; mhol a fear i; agus bheannuich a clann i. M’ an dealaich sinn ri Para Beag d’ an d’ thug cuid d’ ar luchd-leughaidh mòr spéis, feudar a ràdh gu’n robh e ’na dhuine stéidheil stuama gu latha a bhàis. ’Nuair a stad e do’n chìobaireachd bha Seònaid is a’ chlann gu beothail slàinteil, le crodh caoraich is mogan airgid aca. ’Na dhéigh so bha Pàraig fad iomadh bliadhna ’na thuathanach measail ann an Uchd-a-mhuileinn. Ré na h-ùine so bu tric a thachair e féin is am ministeir air a chéile. Air uair do na h-uairean arsa Mr. MacMhuirich ri Pàraig “tha mi toilichte fhaicinn a Phàraig gu ’n do stad thu gu buileach a bhi a’ caitheamh t’ ùine is t’ airgid an tigh-òsda Chaluim Oig.” “Gu robh maith agaibh,” arsa Paraig, “tha nis àireamh bhliadhnachan o nach do rinn mise buideal uisge-bheatha do ’m chorp an tigh Chaluim. Oir cha ghuidhinn do m’ nàmhaid a dhol a cheannach bathar-bàis a’ ghrùdaire.” “Cha’n abair mi tuilleadh mu’n chùis so,” arsa Pàraig, “oir tha e nis air tighinn gu m’ chuimhne gur h-i nighean òsdair a tha pòsda agaibh féin.” Choinnich Fear Chilla-rudha agus Fear Uchd-a-mhuileinn uair eigin eile ’na dhéigh sud “ach thuirt,” am ministeir ris an tuathanach, “gu dé tha thu dol a dheanamh de Rob beag do mhac.” “Cha’n urrainn mi fein a smuainteachadh de ’s urrainn e dheanamh, mur dean mi ministeir dheth,” arsa Pàraig. Ann a bhi a’ leigeadh slàn le buachaille Chillla-rudha agus le sean chìobair Thighnacloiche feudar innseadh gu’ m bheil aon do shliochd Phara Bhig ’n a mhinisteir soisgeulach cliùiteach ann an Canada Uachdarach. Bha teaghlach mòr aig Rob Ruadh, ach bha iad a nis an comas cuideachadh leis a muigh agus a stigh. Bha’m balachan a bu sine an ceann na buachailleachd, is bha na caileagan a’ deanamh na searbhantachd le am màthair. Dh’ éirich gu h-obann aig an àm so cogadh fuileachdach ann an Ur-threabhachas Breatunnach an tìr chéin. Ràinig an sgeul catha so an rìoghachd gun dùil ris, agus do bhrìgh nach robh gu leòir do shaighdearan [TD 15] ionnsuichte deasail aca thàinig reachd a mach gillean a cho-éigneachadh a dhol do’n arm. Ràinig buidhinn Ile a thogail ùr-fheachd cogaidh air son na cùise so. ’Nam measg-san a chaidh a ghlacadh a dhol do’n arm dhearg bha a’ mac a bu shine aig Rob Ruadh. Bha so gun teagamh cruaidh air Rob is air Mairi, ach o’n bha iad a’ creidsinu gu’n oibricheadh a’ h-uile ni chum maith dhoibh, cha chualas gearan às am beul. ’Nuair a chuala Mr. Tearlach gu’n robh Tearlach beag a’ ghniomh air a ghlacadh gu bhi ’na shaighdear, cha d’ thuirt e facal ri Rob no ri Mairi gus an d’fhuair e cùisean atharrachadh. Dh’ fhalbh e far an robh buidhinn an rìgh agus thairg e e-féin doibh air chumha gu’n leigeadh iad mac Rob fa sgaoil. Chaidh so a dheanamh. M’ an do dh’ fhalbh e thìomnaidh e gach ni bh’ air làr a’ bhaile do Rob Ruadh. Bha’n gnìomh, a bhean is a theaghlach gu brònach deurach an là a dh’fhalbh Fear a’ Bhaile do’n arm. An ceann àireamh mhòr bhliadhnachan thàinig Mr. Tearlach dachaidh an déigh iomadh euchd gaisgeil a dheanamh ’s an arm, agus e nis air àrdachadh gu inbhe Còirneil. Bha gàirdeachas Rob is Mhairi do labhairt ’nuair chual ìad gu’n robh an cùl-taice fiùghail Mr Tearlach a’ tighìnn dachaidh gun leòn gun dochann. Thilg Rob an dìollaid air an làir ghlais ’s cha b’ fhada gus an robh an drochaìd-iaruinn is an traigh-mhòr air a chùlaobh ’s gus an do ráinig e Leòdamas a choinneachadh a’ Chòirneil. ’Nuair a thàinig iad gu Tighnacloiche thionail uaislean is ìslean a thoirt cuirm fhàilteachail do’n Chòirneal Ileach. Dh’ aithris Mr. Tear- dhoibh ann an òraid shnàsmhoir cuid do na gàbhaidhean as an d’ thàinig e. Dh’ innis e doibh gu’m b’ ìad briathran Rob Ruaìdh ’nuair a spraigh am fùdar aig an toll chlach as an do thogadh Tighnacloiche a rinn greim air inntinn-san agus a rinn e an ni a bha e. “Cha deach mi riamh,” ars’ an Còirneal, “sìos gus a’ bhlàr-chatha gun m’ anam earbsadh Risan a ghleidheas e gu là a theachd a rìs.”—S. L. GEOIREIS BHARDAIL. AIRGIOD. C’ar-son a ta an t-airgiod math! An neach tha falamh tha gun rath, Neach aig am bheil tha ’n dòruinn chiain, Neach aig an robh aon uair tha ’m pian. AN LEIGHEAS IS FEARR. Aoibhneas, Measarrachd is Fois Caomhnaidh do ’n Lighich’ teas a chois. AN CRIDHE ANSHOCRACH. Tha chlach-mhuilinn ’s cridh’ an duine a’ dol cuairt air chuairt a ghnàth Mur ’eil ni aca ri mheileadh meilear leo iad féin ’sa’ bhràdh. GRADH CRIOSDUIDH. Bha an gràdh aon uair mar theine, teas is comhfhurtachd thug beò; Ach mo thruaighe! chaidh a mhùchadh, tha e nis a mhàin mar cheò. [TD 16] FIOS COITCHEANN. Tha a’ Chléir anns am bheil e air tiodhlac iomchuidh a thoirt do ’n Olla Urr. Cléireach an Cille-mhàillibh mar chomharradh air am meas air. Tha an t-Urr. A. Camaron Rentoin, air a’ Bhuidheann Ghàilig a b’ àbhuist da a theagasg fhosgladh ás ùr an Glaschu. Chaochail an t-Urr. D. Matheson minister Gheàrrloch o cheann ghoirid. Ràinig e aois ceitheir fichead bliadhna. Tha an t-Olla Mac Callum am Millport a’ deasachadh bàrdachd Mac Mhaighsteir Alastair a cur a mach ás ùr. Tha sinn an dòchas gu’m bi a’ Ghàilig air a sgriobhadh le tomhas de ghloine, ni ris am bheil dùil againn o làimh an uasail ionnsaichte. Tha eagal mòr anns na h-Innse an Ear gu ’m feud gort éiridh am measg an t-sluaigh. Ma ’s e agus nach sil uisge mu ’n bhliadhn’ ùir bidh barrachd mòr dhaoine agus a tha am Breatunn ann an cunnart gorta. Bha gort mhòr anns a’ cheàrn cheudna o cheann beagan bhliadhnachan leis an d’ fhalbh mu thrì muilleine sluaigh. O’n àm ud tha rathaidean mòra air an deanamh agus aimhnichean air an gearradh feadh mòr fharsuinneachd an fhearainn. Tha gach oidheip air a deanamh a chum a’ ghort a choinneachadh. Tha an dràsd na Gàidheil an Glaschu ás gach ceàrn a’ caitheamh mòran neirt mu choinneimhean caidreach. Cha ’n iarrtusach leinn ’s cha ’n urrainn sinn sgeul a dheanamh oirre so fa leth,—tha iad cho lìonmhor. Chaidh sinn a dh’ fhaicinn rud math dhiubh am bliadhna agus an uiridh, ach cha ’n fhuilig ar féin-fhiosrachadh agus na chunnaic sinn duinn a ’n moladh. Tha e ionmhuinn gu ’n coinnicheadh luchd-dùthcha agus eòlaich air a chéile, ach cha ’n ’eil sinn a’ creidsinn gu ’m bheil iad idir a’ gabhail na dòighe ceìrt na gu ’m bheil na rùin cheart aca fa ’n comhair. Mu so tha sinn ag aontachadh leis na chan Ministeir Eaglais Chaluim Chille an uiridh aig na coinneimhean Muileach is Ileach. Mur atharraich iad an dòighean cha ruìg iad a leas dùil a bhi aca ri gnùis ministeirean an t-soisgeil. Tha Fàrdach Fhinn a’ sìneadh a mach a freumhan an Glaschu air dòìgh no dhà am measg nan Gàidheal anns a’ bhaile sin. Bha coinneamh chiùil air a gleidheadh an comhcheangal rithe, o cheann ghoirid an t-Ard Theampullach Fiachail Eòghan Mac Dhùghaill ’s a’ chathair; bha a’ choinneamh fosgailte do na h-uile. Bha an Talla anns an robh iad cruinn cho làn agus a chumadh e. Tha sinn a’ creidsinn gur h-ainneimh a chunncas a leithid de thàlant ciùil is bàrdachd Ghàidhealach còmhla aig an aon àm. Bha an triùir bàrd Gàidhleach a s’ mò a th’ againn an làthair. Bha cùig bàird ann air fad. Triùir dubh sin buinidh do ’n Fhàrdach féin o ’m faigh sinn cliù na deocha làidire ann am bàrdachd mun ruith mòran ùìne. Cha ’n ’eil fhios againn an robh o làithean Oisein na h-uiread de bhàird Ghàidhleach cruinn còmhla anns an aon àite. Thachair sgioradh cianail do Steamer Fhrangach eadar so agus America o cheann ghoirid. Bhàthadh dá cheud agus sè thar fhichead a dh’ anmaibh leis an sgioradh ud. [TD 17] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 2.] Februari, 1874. [LEABH. II. DROCHAID NAN GAIDHEAL. [Dealbh] “Gu dé mar a tha thu?” thuirt Gilleasbuig Tiridhsteach ri nìghneig òig smachdail, ’s e cur fàilte chridheil oirre; “Cha d’fhalbh thu a dh’ Uibhist fathast? Bha thu ’g ràdh rium aig soiree nan Uibhisteach gu’n robh thu falbh air an ath sheachduin. Ach ’s tu-fhé a tha ann fathast, a Mháiri; bha fhios agam nach fhalbhadh tu; tha cuideigin ann an Sràid Uilleim ————” “Cha’n’eil duine ’sam bith; thuirt ise, “Stad a d’ choinne, ’Illeasbuig, cha téid tàmh ort; ’s i an droch uair a chum mise gus an so.” “C’ àit’ an d’ fhàg thu Ceit an diugh?” thuirt esan; agus beagan ioghnaidh air nach robh Màiri cho sunndach no cho cridheil agus a b’ àbhuist di. [TD 18] “O,” arsa ise, “cha’n fhaic thu Ceit air an Drochaid là Sàbaid tuilleadh. Tha i an diugh ’s an t-searmoin, far am bu chòir dhuitse agus dhomhsa a bhi cuideachd, agus cha b’ ann a mach mar so air sràidibh Ghlaschu. Fhaic thu féin nach nàrach na bheil an sin do ghillean ’n an seasamh mar charraighean ri taobh na Drochaid, a’ clabais ris na caileagan a théid seachad. Agus gur h-iad Gàidheil a ta an sin gu h-iomlan. Cha’n’eil ioghnadh ged thug na Goill ‘DROCHAID NAN GAIDHEAL,’ air an té so.’ “Cha do shaoil mi, Mhàiri, gu’n robh thusa dol a thoiseachd air creideamh cosmhuil ri càch. Air son Cheit cha’n’eil innte ach té theagmhalach co dhiù. Cha d’ thugainn mucag air a diadhachd-se. Chaidh i an eaglais an diugh a choinneachadh Aonghais. Sin agad a thug ann i.” “Ma ta, cha chreid mi,” arsa Màiri, “nach b’ fheàrra di a choinneachadh ’san eaglais fhé na air an Drochaid, far an àite searmoin nach cluinn i ach na mionnan a’s uamhasaiche. Cha ’n e Aonghas no fear eile a thug Ceit do’n eaglais an diugh; ach tha i gabhail nàire di féin mar nighinn mheasail a bhi tighinn gus an Drochaid a choinneachadh ghràisgean nach fhaicear ann an searmoin o ràidhe gu ràidhe. Cha tig mi fhé ann tuilleadh aon ùine a bhios mi ’s a’ bhaile.” “O nach tusa a dh’fhas diadhaidh a dh’ aon là,” thuirt Gilleasbuig. “Dh’ fhàs mi cho diadhaidh a sid,” thuirt ise. “Theirinn riutsa cuideachd ma tha meas ’sam agad bith ort féin gun thu sheasamh am measg nam ballach dubha a tha cumail suas na Drochaid air là na Sàbaid.” “Ma ta, nam biodh na cailean gun bhi tighinn mu’n cuairt cha ’n fhaicteadh na h-uiread do na ballaich ann.” “Uh, feudaidh thusa do lethsgeul a ghabhail. Ach trobhad suas Sràid an Dòchais agus ìnnsidh mi dhuit fhad agus a bhitheas sinn a’ feitheamh gus a tig na h-eaglaisean a mach gu dé a thug air Ceit dol an eaglais.” Mar so labhair Màiri ’s i toirt ceum air a h-aghaidh agus i ag amharc air uaireadair mòr an oisein. “Tha mi coma ged a théid,” thuirt esan; “o’n tha a leithid a ghràin agadsa do’n Drochaid. Chì sinn co-dhiù mar a thig Ceit a mach am fan i ri Aonghas. Seasaidh sinn mu choinneamh na h-eaglais a bhos, is chi sinn esan a’ tighinn a mach, agus mar a thig ise o’n té shuas.” A suas Sràid Iamaica thòisich Màiri air ìnnseadh do Ghilleasbuig mu athair Cheit. “Ach,” thuirt ise, “ged a dh’ìnnseas mise duitse e cha ’n fheud thu gaoith a thoirt air a’ d’ bhilibh. Thàinig a h-athair ás a’ Ghàidhealtachd gu bhi leò aig àm na Nollaig; ach b’i Bliadhn’ Ur shearbh dise agus d’a bràthair agus d’a piuthair i. Tha fhios agad fhé mar a tha ìadsan cosmhuil ruinn fhé air fad. Cha bhiodh Ceit is Sìne tric ’s an eaglais; is cha bhiodh oidhche Shathurna nach tigeadh Dòmhnull is Donnachadh dhachaidh gun ghleidheadh cas aca le daoraich. Bha so air fad air ìnnseadh do ’n athair mu’n d’ thàinig e. Bha so a’ cur deuchainn airsan a bha ’na fhoirbheach ’s an eaglais gu’m biodh a theaghlach cho mi-rianail. Oidhche na Calluinn mu’n do thòisich e air an leughadh thug e dhoibh gu cruaidh e mu dhol gus an Drochaid air là an Tighearna, mu nach robh iad a’ dol do’n eaglais, ’s mu ’n mhisg. Bha iad ach beag ag caoineadh [TD 19] aige mu’n do stad e. Aig an ùrnuigh an déigh an leughaidh dh’ fhàs e cho teth, agus dhìchuimhnich se e féin, agus chluinneadh tu e a’ caoineadh agus a’ glaodhaich ’s an ùrnuigh an taobh a mach do’n tigh. ’Na uairean chluinnte e mar so am measg nan cnoc fagus d’a thigh fhé. Ach se ’chuir iadsan ’nan éigin, agus gu sònruichte Ceit, gu’n d’ thug a ghlaodhaich aige am Policeman a dh’ ionnsuidh an doruis, ’s gun e tuigsinn gu de a’ ghlaodhaich a bh’ ann a thaobh gur h-i a’ Ghàilig a bh’ aig an athair. Thòisich am Policeman air bualadh an doruis, is thòisich Ceit air caoineadh agus cha robh iomradh aig a h-athair air stad a dh’ ùrnuigh, ’s cha robh math dhise làmh a chur a chòir-san a thoirt rabhaidh dha.” Thòisich na h-eaglaisean air tighinn a mach agus cha d’fhuair Màiri ni b’ fhaide aig an àm ud. (Ri leantuinn.) TEAGASG NAN AITHRICHEAN. LE MR LACHUNN, LOCH-CARONN. “Oir b’e deadh thoil an athar gu’n comhnuicheadh gach uile iomlanachd annsan.”—Cob I., 19. N’am faigheadh tusa do’n daoimean so uiread ri ceann na h-òrdaig, no uiread ri ubh bheag dheanamh e thu cho beairteach ris an Iarla Mhuireach, no ri Diùc Ghordain, no ri Rìgh Seòrus; seadh,—dheanamh an daoimean so thu a’ d’ mhac do’n Rìgh a’s àirde. N’an rachadh ìnnseadh dhuit, “Tha duine tighinn an àird an t-sràid ud shìos, agus togaidh e leis Creag-a-Ghobha air a mhuin,” theireadh tu, “cha chualas duine riamh a dheanamh sin.” Seadh n’ an rachadh innseadh dhuit, “Tha duine tighinn an àird an t-sràid ud shìos, agus togaidh e leis an Toll-bùth air a mhuin,” theireadh tu, “ni e’n dara cuid cho luath ’s a ni e a’ chuid eile.” Ach n’an rachadh a ràdh riut, “Tha duine tighinn an àird an t-sràid ud shìos, agus togaidh e leis a’ Chruitheachd air a mhuin,” theireadh tu, “Cha robh duine riamh ann a dheanamh sin.” Ach an duine mu’m bheil mo bhonn-teagaisg a labhairt thog e uallach a bu truime na chruitheachd uile air a mhuin, ’nuair a thog e t’uallach salach-sa, agus m’ uallach salach-sa air a mhuin; oir cudthrom aon anam gun ghràs bhriseadh e aiseal na cruitheachd. N’ an rachadh innseadh dhuit, “Tha mac an Rìgh tighinn an àird an t-sràid ud shìos, agus còta do chlò-dubh air mar bhitheas orra air a’ Ghàidhealtachd againne shuas,” theireadh tu, “cha b’ e a thrusgan e.” Is ludhach thusa. Cha b’ fhiach leis na Iudhaich an trusgan a bha air Mac an Rìgh. Chaidh innseadh do sgoilear, “Tha e tighinn an àird an t-sràid ud shìos, agus còta do chlò-dubh air.” Fhreagair an sgoilear mar a fhreagair thu-féin, “cha b’e a thrusgan e.” Ach a chionn nach bu mhaith leis e-féin a leigeadh ás gun fhianuis a bhi air chaidh e far an robh an sgoilear, a chionn gu’m bu sgoilear e a bha ’s an sgoil aige féin, agus dh’ fhosgail e a bhroilleach do’n sgoilear, agus dh’ fheuch e dha an rìonnag a bha air. ’Nuair a chunnaic an sgoilear an rionnag a bha air, chuir sud thuige e, agus sgrìobh e litir suas gu grad do Bhaile Lunnuinn, am b’ e Mac an [TD 20] Rìgh a bh’ ann gu cinnteach; agus thàinig fios a nuas gu grad á Baile Lunnuinn do ’n Tigh-litrichean ud shuas, ag ràdh: ‘Is e Mac an Rìgh a th’ann, thoir urram mhic rìgh, agus onair mhic rìgh, agus di-beatha mhic rìgh dha’. Nis is i an ùrnuigh an litir, is e flaitheanas Baile Lunnuinn, agus is e an seòmar-uaigneach an Tigh-litrichean. Bha fineachan an Taoibh-tuath uaireigin air an roinn ’n an treu bhan mar tha Gordonaich, agus Guinnich, is clann Choinnich; agus bha ceann-cinnidh air gach treubh dhiubh, agus bhitheadh gach aon diubh a’ deanamh uaill à cheann-cinnidh féin. An uair sin, bha nì ’s mò do ghaol nàdurra am measg muinntir na tha an diugh eadar muinntir a tha ag aideachadh Chriosd, agus ag aideachadh an t- soisgeil. Ach n’ an tachradh fear àrdanach dhiubh ri fear bochd anns na luideagan dh’ fheòraicheadh e, “Co an fhine d’am bheil thusa,” theireadh am fear àrdanach, “seadh, ma ta cha’n fhiù thu bhi air t’ainmeachadh uirre.” Theireadh am fear bochd, “is beairteach m’ fhear-cinnidh.” Nach cluinn thu sud, anam bhochd. ’Nuair a thachras fear na toibheuma riut a bhitheas ag ràdh, nach ’eil giobag do ionracas Chriosd air do dhruim, no peighinn creidimh a’ d’ phòcaid, feuch gu’m bi thu a’ deanamh uaill á t’Fhear-cinnidh an neach mu’m bheil mo bhonn-teagaisg a’ cur an céill, gu’n do thoilich an t-Athair gu ’n gabhadh gach iomlanachd còmhnuidh ann. Ann an tìribh eile tha teine-dealanaich a’ teachd a tha a’ sgrios thighean agus a’ deanamh mòr chall, ach fhuair iad a mach inneal—slat iaruinn air a cur suas os ceann an tighe, agus a bonn suidhichte ’s an talamh, a tha bacadh sin; oir an uair a tha an dealanach a’ tighinn, tha i a’ bualadh air an t-slait iaruinn, agus tha ’n t-slat ’g a glacadh, tha an talamh ’g a slugadh, agus an tigh air a theàrnadh. Agus, sin, anam, mar, a chaidh Criosd a chur suas os ceann tighe t’anamsa. An uair a bha corruich Dhé an crochadh os a cheann thàinig a chorruich agus bhuail i Criosd; ghlac a dhaonnachd i, agus shluig a dhiadhachd i, agus chaidh t’ anamsa a theàrnadh. Tha sibh a’ faicinn na h-aimhne ud shuas—amhainn Inbhirnis. Agus is aithne do mhòran agaibh an loch ás am bheil an amhainn a’ teachd. Agus o ’n uair a bha an saoghal ann bha ’n loch a’ cumail ris an amhainn, agus an amhainn a’ tarruinn ás an loch agus bithidh an loch a’ cumail, ris an amhain, agus an amhainn a’ tarruing a’s an loch am feadh a bhitheas an an saoghal ann. O’n uair a chaidh cùmhnant gràis a shuidheachadh, agus o ’n uair a chaidh an soisgeul a shearmonachadh ann an gàradh Edein, bha diadhachd Chriosd a’ cumail ri a dhaonnachd, agus a dhaonnachd a tarruinn ás a dhiadhachd, agus e a’ beathachadh a phobuill anns na meadhonan; agus bithidh a dhiadhachd a’ cumail r’ a dhaonnachd, agus a dhaonnachd a’ taruinn ás a dhiadhachd, agus e a’ beathachadh a phobuill anns na meadhonan am feadh a bhitheas an saoghal ann. Ach tha thusa ag ràdh; tha mi a’ faicinn sin, ach tha mi a’ faicinn an uair a tha an amhainn a’ teachd a nuas agus a’ bualadh air colbh roinn na drochaid, gu ’m bheil an colbh a’ sgoltadh na h-aimhne o chéile. Och, anam! is ann tha thusa an tràth so a’ sealltuinn air taobh shuas a chuilbh, ach seall air an taobh shìos; oir an uair tha ’n amhainn air dol seachad [TD 21] air a’ cholbh tha i dol ’n a chéile, agus tha i dol a steach ’s a’ chuan, agus cha dealuich i tuìlleadh. Agus an uair a théid thusa seachad air carragh-sgoltaidh a’ bhàis théid thu a steach maille ri Criosd ann an cuan a’ ghaoil agus an iongantais far nach dealuich sibh tuilleadh. NOIMHEACHD EIGIN. Bliadhna mhaith ùr dhuibh. Tha gràdh do chuspairean éigin nuadh freumhaichte ann an anam an duine. Tha Pol a’ cur as leth muinntir baile na h-Aithne gu’n do chaith iad an ùine uile ri innseadh no ri cluinntinn noimheachd éigin. Ach am measg nam mòr nuadh nithean air an robh na Greugaich ealanta gheur-inntinneach eòlach, bha iad aineolach air Dia, oir bha iad ag aoradh “Do’n Dia Neo-aithnichte.” Cha b’ aithne dhoibh an t-slighe nuadh; cha robh iad an seilbh air cridhe nuadh; ’s bha iad ’n an coigrich do’n nuadh-bhreth. As eugmhais aithne air na nithean nuadh so bha eòlas an t-sluaigh so ’na aineolas agus an gliocas ’na amaideachd. Beannachd, slàinte, agus fàilte nuadh dhuibh a Ghàidheil mo rùin a tha ’n ur seasamh air stairsnich doruis bliadhna ùir. Tha cuid agaibh am measg chàirdean is dhachaidhean, naimhdean is bhuairidhean ùra. Tha cuid agaibh làn dòchais le toil is cridhe sochruichte air ùr-nithean éigin, thoir an aire ’nuair a thogas làmh tìm an cùirtean dìomhair a tha sgaradh na bliadhna ùir o’n t-seana bhliadhna gu’n iarr thu solus, gliocas is neart nuadh gus a’ cheud cheum a thoirt air an t-slighe chumhainn a tha treòireachadh gus an Ierusalem Nuadh. Tha sìorruidheachd do shonas no do thruaighe an crochadh air do cheum! Thachair dhomh bhi uair ann an tigh caraid aig a’ bhliadhna ùir. Shuidh an teaghlach gu léir tosdach smuaineachail a’ feitheamh gus an do rugadh a’ bhliadhna òg. Cho luath ’s a thachair so, dh’ éirich fear an tighe ’s chuir e fàilte le pòig air a chéile-phòsda agus air a’ chloinn a thug Dia dhoibh. Ghlac e ’n sin an Salmadair agus am Bìobull Gàilig ’na làimh agus le gràdh ’nan cridhe, ’s le ìobairt-mholaidh ’nam bilean lùb an teaghlach an glùn ag analachadh a mach ùrnuigh thaingeil a’ chreideimh agus na h-earbsa air stòl coise “Aosda nan Làithean, maille ris nach ’eil atharrachadh no sgàile tionndaidh, aig am bheil mìle bliadhna mar an là ’n dé ’nuair a théid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche.” So cleachdadh Gàidhleach a chunnaic an duine so an tigh athar, agus air nach cuala mi riamh iomradh am measg nan Gall. Tha sinn an dòchas gu ’n lean iomadh teaghlach Gàidhleach, aig a’ bhliadhna ùir so ar n-aithriche diadhaidh ’s a’ cheum chliùiteach so. Mar eisimplir do fhir agus do mhnathan aosda feudaidh mi ràdh gur ann a réir coslais air madainn Latha Nollaig a chaidh Simeon agus Anna o shean do’n teampull a dh’ fhaicinn Iosa agus a mholadh Dhé air son a Thìodhlaic Do-labhairt. Thugadh pàrantan agus clann ar dùthcha fainear gu’n robh Ioseph, Muir, agus an Leanabh Iosa air a’ cheud là do’n bhliadhna ùir ann an tigh na h-ùrnuigh. Seachnadh na Gàidheil agus rùnaicheadh iad gu’n seachainn iad air là tùs na bliadhna agus ré na bliadhna [TD 22] gu h-iomlan gach teampull is teaghlach anns nach faighear Iosa ’na shuidhe ’nam meadhon araon ’g an éisdeachd agus a’ cur cheist orra. ’S aithne dhuinn ’s a’ Ghàidhealtachd pàrantan diadhaidh aig am bheil an Dun-éidean an Glaschu, an Grianaig agus an Gobhan mic a ta a’ caitheamh am maoin le beatha struidheasaich. Cuimhnicheadh na mic so ann an tir an dìochuimhne agus am fadachd-ás air comhairlean gaoil agus air ùrnuighean gràidh am pàrantan caomha. Thigeadh na mic so an toiseach d’ an ionnsuidh féin, agus an sin pillidh iad ’nan cridhe, ’nan gràdh, agus ’nan caoimhneas r’an aithrichean ás an do dh’ fhàisg iad iomadh deur agus osan. ’S mòr a chreach am Bàs o’n àm so’n uiridh, ann an sgiorraidhean air muir ’s air tìr ’s iomadh cridhe bhrist e, ’s lìonmhor cagailt a dh’ fhalmhaich e, ’s do-àireamh iad na bantraichean ’s na dìlleachdain a dh’ fhàg e caoidh na thugadh uatha, bi thusa leughadair deas oir cha’n’eil fios agad nach tu féin an ceud neach a ghairmeas Rìgh-nam-uamhas à tìm a steach do’n t-sìorruidheachd. Feuch nach glac a’ bhliadhna ùr thu le d’ reason millte le misg, le mionnan a’ d’ bheul agus le bréig a’ d’ làimh dheis, ma’s i so do chliù an àite an òg-bhliadhna a chur fàilte ort ’s ann a bhitheas i ann an gruaim riut; oir a’s teachdaire dìleas i a ta ’g ràdh riut a bhi ri faire agus ri h-ùrnuigh o’n nach ’eil fhios agad ciod i ’n uair ’s an tig Mac an duine. Bliadhna mhaith ùr agus mòran diubh do chairdean na Brataich. TURUSACH. GNOTHUICHEAN GAILIG. Tha sinn a’ tuigsinn gu ’m bheil oidheirp air a deanamh am measg chuid le cuideachadh laoch mar tha Principal Tulloch, Celtic Review a chur air chois. Thug Deasaiche an Celtic Review ’s an Fhraing, air dha iomradh sgrùdachail a thoirt air “Transactions” Comunn Gàilig Ionar-Nis, aire agus cliù shònruichte do na sgrìobh an t-Urr. U. Ros, Baile-Bhòid air “Litireachd Ghàilig.” Tha dà fhòghlumaiche, Mr George Clement Boase, agus Mr William Prideux Courteney a’ toirt a mach obair fhiachail anns am faighear mòran mu Sheann Ghàidheil Shasuinn. Is e ainm an leabhair, “Bibliotheca Cornubiensis: a catalogue of the writings both manuscript and printed, of Cornishmen, and of works relating to the county of Cornwall, with biographical memoranda and copious literary references.” ’Nar measg féin tha obair mhòr Ghàidhealach a’ dol air a h-aghaidh ann an làmhan an Urr. A. Camaron, Rentoin. ’S i an obair so “Foclair Freumh-Choimeas nan Cànainean Gàidhleach,” &c. ’Nuair a thig an “Comparative Lexicon” so a mach bidh e ’n a “charragh Gàilig” air an amhairc na Gàidheil gun teagamh le uaill. Tha “carragh Gàilig” allail againn cheana ann an obair Oisein leis an Olla ionnsaichte an t-Urr. G. Cléireach. Tha Dr. Ebrard, Erlangen, an Diadhair Gearmailteach, a tha cho fòghluimte anns a’ Ghàilig ag iomradh anns an obair mu dheireadh a chuir e mach air dòigh chliùiteich air “Eachdraidh Ceud linne na [TD 23] h-Eaglais Albannaich,” leis an Olla Maclachlainn. Tha Dr Ebrard ag ràdh gu’n do dhearbh an t-Olla Maclachlainn gu soilleir anns an eachdraidh chomasaich ud gur h-ann Presbyteriach, agus nach ann Easbuigeach a bha an Eaglais Chùildeach, no an Eaglais a phlanntaich agus a thog Calum-cille anns a’ Ghàidhealtachd agus feadh na h-Alba. Gheibh sinn ainm an Olla Mhic Lachlainn gu tric am measg nan Gearmailteach agus nam Frangach a tha ag sgrìobhadh mu na cainntean Gàidhleach. CUMHADH DHAIBHIDH. Os ceann Shauil agus Ionatain.—ii. Sam. i. 19—27. O! tionnsgain m’ fhonn le tùirse trom gu luaidh, Mar thuit an righ, nach pill o’n strìth le buaidh; Oir Israel siar, a mhais’, a mhiagh ’s a threòir Luidh air an t-sliabh, ach dheàrs a ghrian ’s a ghlòir. ’S a shléibhtean uain’, mu’n tric rinn suaimhneas tàmh, Cha chluinn iad fuaim ach caithream-buadh’ nan nàmh. Biodh tosd ’s an t-saogh’l,—oir thuit na laoich le’m beum, ’S air slios nam beann tha ’n sgiath ’s an lann gun fheum: ’S their Gat nan dée, “Mo ghaisgich féin thug buaidh, A’s Iudah ghèill—biodh ainm a Dhé gun luaidh.” O ’shléibhtean àigh! an dealta tlàth cha bhraon Mu ’r slios gu bràch, ’s a’ mhaise dh’fhàg an raon; Oir thuit na slòigh—bha ’n sgiath gu ’m fòir gun stàth, A’s shearg fo leòn am mais’, am beò, ’s am blàth. Thuit righ nan euchd—thuit òg nam beus gun bhuaidh, ’S an tosd a’ bhàis am measg an àir tha ’n uaigh; Ach ’s tric a sheinn an saighde srann sa’ bhlàr, ’S a bhoillsg an lann gu sgrios an nàimh san àr. Bu ghràdhach, caoin ’nam beò na laoich a thréig, A’s thuit iad còmhla, ’s luidh fo leòn an éig. Mar fhìreun speur bha ’n lùgh an réidh nam blàr, ’S mar phrionns’ na frithe, treun gu strìth nan àr. A nigh’nan Iudah, guilibh dlùth ’ur deòir, ’S ur caoidh mu’n righ a dhiol dhuibh rìomhadh òir, Chuir loinn a b’ àird’ air éideadh b’ àillidh sgiamh, ’S a shoillsich sròl nan leug bu bhòidhche fiamh. C’ uim’ thuit na slòigh bu bhoillsgeil glòir fo’n cruaidh, ’S am bratach ghéill, bu Treòir nan treun gu buaidh? ’S an gàirdean treun bu reachdmhor beum gun chlìth, ’S an làn-shùil fann bhiodh laiste ’n ám na strìth? O òig nam beus! a thuit fo bheum nan daoi, Bu chaomh rium féin, ’s tu fàth mo dheur ’s mo chaoidh— An òg-bhean chiùin cha taisbein tùs a gràdh D’a céile óg, mar nochd thu dhomh-sa bàigh. Tha bròn ga m’ chlaoidh, ’s is tric le d’ chuimhn’ mo dheòir! Mo chreach! mo chràdh! tha ’m fiùran àigh gun treòir! C’uim’ thuit na slòigh? Bha’n sgiath gu’m fòir gun stàth, [TD 24] A’s shearg fo leòn am mais’, am beò, ’s am blàth. ’S their Gat nan dee, “Mo ghaisgich féin thug buaidh; A’s Israel ghéill—biodh ainm a Dhé gun luaidh;” Ach Iudah ait gu’n seinn ’n uair ’s frasaich’ deòir, “’S e Triath nan speur mo Thaice threun ’s mo Threòir.” A. M. AN FHAIRGE SHALAINN. [Dealbh] Tha’n fhairge so againn fo ainm no dhà ’s an Sgriobtur mar tha Muir a’ Chòmhnaird agus an Fhairge ’n Ear. Thug na Greugaich mar ainm [TD 25] uirre an Fhairge Mharbh a thaobh cho trom, marbh, neo-ghluasadach ’s a tha an t-uisge aice, agus do bhrìgh a thaobh a gné nach urrainn seòrsa air bith éisg a bhi beò innte. Tha Ioséphus a’ labhairt uirre fo’n ainm an Loch Asphalt a chionn na tha do phic-thalmhainn r’ a faotainn air aghaidh a h-uisgeachan agus mu ’cladaichean. Their na h-Arabaich rithe Bahr Lout, no Muir Lot. Tha ainm eile aca oirre Bahr Mutneh, ’s e sin an Fhairge Dhroch-bholtrach a thaobh an fhàileidh bhréin lobhta a tha d’a h-uisgeachan. Tha’n Fhairge Shalainn air cuma ubh. Tha i còrr is dà fhichead mìle air fad agus mu thimchioll naoi mìle air leud; agus mu dheich mìle o’n dara ceann di tha rudha dol a mach air an taobh an ear aice a tha ’g a roinn gus nach mòr nach ’eil i ’na dà locha. Tha’n Fhairge Shalainn cuairtichte deas is tuath, sear is siar le cnocaibh corach is le beanntaibh àrda. Cha d’fhuair luchd eòlais a’ chruinne-ché eòlas fathast air ìsleach cho ìosal ris an ionad ’s am bheil na h-uisgeachan so a’ tàmhachd. Tha a’ mhuir so dà cheud deug, ceithir fichead is dhà dheug (1292) troidh ni’s ìsle na còmhnard mara na Fairge Mòir (Mediterranean). Tha ’chuid a’s doimhne do’n Fhairge Shalainn m’an cuairt air tri cheud deug is ochd (1308) troidh; tha a grùnnd mar so leth-mhile ni’s ìsle na fearann Iaffa agus mìle ni’s ìsle na stéidh baile Ierusaleim. Tha ni comharraichte air a thoirt fainear mu Mhuir a’ Chòmhnaird agus ’s e sin gu’m bheil mòran shruthan is aimhnichean a’ sruthadh a steach innte is gun aon idir a’ ruith a mach aisde; ach a dh’aindeoin so uile tha a h-uisgeachan an còmhnuidh aig an aon àirde gun at—gun mheudachadh. Tha so ag éiridh o theas neo-chumanta gaoith a’ ghlinne a tha ag òl agus a’ sùghadh suas an uisge. Tha cudthrom is saillteachd na Mara so do-chreidsinn; ’s e salann searbh-bhlasda an ceithreamh cuid dheth; agus a bhlas mar shàile measgaichte le salts is le quinine. Ged tha ’n amhainn Iòrdan o’n àirde tuath a’ taomadh a ghnàth a steach innte a tuiltean fallan cùbhraidh tha ise daonnan gun atharrachacdh gné no staid cho geur gus an toir i deur air an t-sùil agus am fàg i frionasach an craicionn. Tha a h-uisge cho làidir gus am feud an neach a théid gu e-fein a nigheadh no fhalcadh innte luidhe air a dhruim le làmhan is casan togta an àird cho fad ’s a thoilicheas e. ’S e sgeul aon ghuthach luchd-turuis gu’m feudadh neach codal teàruinte air uachdar na Mara so. Tha bàsmhoireachd, neo-thoraidheachd is luimead a’ rìgheachadh mu bhruachaibh tosdach na Fairge Mairbh. “Tha’n talamh uile ’na phronnasg, ’na shalann agus ’na losgadh; cha’n’eil e air a chur, no toirt toraidh uaith, agus cha’n’eil feur ’s am bith, a’ fàs ann, cosmhuil ri sgrios Shodoim agus Ghomorraih, Admaih agus Sheboim a sgrios an Tighearna ’n a fheirg agus ’n a chorruich,” De. xxix; “Fearann beartach ni e fàs air son aingidheachd a luchd-àiteachaidh,” Salm cvii.; “Cha ’n àitichear gu bràth i, ni mò ghabhar còmhnuidh innte feadh lìnn nan linn; cha suidhich an t-Arabach a bhùth an sin, ni mò ni buachaillean buaile an sin,” Isa. xiii. 23. Tha Muir Thiberias féin troimh agus o ’m bheil an amhainn Iordan a’ sruthadh seachd fichead deug (340) troidh ni’s isle na còmhnard-mara a’ Mhediterranean; ach tha gleann is cladhan Iordain a’ leantuinn air dol ni’s ìsle gus am bheil iad a’ ruigsinn ceann tuath na Fairge Shalainn. Tha’n salann a tha air fhaotainn mar ghaineamh air taobh siar na mara [TD 26] so air a ghnàthachadh le muinntir Ierusaleim ann an còcaireachd am bìdh. B’ eòlach Abraham, Lot, is Daibhidh air comhnardan is sliosan na Mara Mairbh. An so bha Sodom is Gomorrah a chaidh a sgrios le teine is pronnasg o nèamh. Is brònach r’ a thoirt fainear gu’m bheil an sluagh a tha a chòmhnuidh an nàbuidheachd na Fhairge so ciontach do na ceart pheacaidhean air son an do sgriosadh na Sodomaich. AINIOCHD DO AINMHIDHEAN. EAD. LEIS AN URR. T. MACLACHLAINN, LL.D. Bithidh cùram aig an duine ionraic de bheatha ’ainmhidh. (GNATH. XII. 10.) DUINEIDIN, 29mh Nobhr. 1873. A CHARAID, Chi mi ’s na paipeirean-naigheachd fios gu bheil Cuideachdan nan ‘Tramways’ a dol a dh’ ionnsuidh na Parlamaid a dh’ iarraidh saorsainn o bhi dol na ’s fhaide leis na rathaidibh aca, agus am measg chach, an rathad gu ‘Stockbridge.’ Tha mi a’ creidsinn gu’n saor a’ Pharlamaid iad o bhi fo fhiachaibh na rathaidean aca a dheanamh air bruthaich far nach b’urrainn eich, cia b’e mar a chuireadh iad gu h-an-iochdmhor, an obair a dheanamh. Bha mi gu so gun chomas d’fhaicinn mu thimchioll ‘Tramways’ Dhuneidin, agus o nach ’eil sùil agam ri bhi fada ’s a bhaile, cha mhaith leam bhi na ’s fhaide gun m’inntinn a leigeadh ris dhuit mu’n ni, agus fhiosrachadh ciod e tha an Comunn agaibh ’cur romha a dheanamh chum crioch a chur air an olc mhòr a th’ ann. Tha e duilich fhaichinn ciamar a ’s urrainn luchd-riaghlaidh a’ bhaile an lagh a chur an gniomh chum eich a choimhead o obair thar tomhas, o dhroch càramh, agus o bhi air an cur a dh’ obair ann an cor bochd, fhad ’s a tha eich nan ‘Tramways’ mar a tha iad. Cha-n fhaod a bhi nach ’eil an dream a tha ag éigneachadh nam beathaichean truagh’ ud a bhi ri saothair ghoirt a’ tarruing suas ‘Leith Walk’ agus an Drochaid Thuath, gach lá a’ briseadh an lagha, maraon mar a tha e an aghaidh ainiochd do ainmhidhean, agus airson a bhi ’cur sios seallaidhean ’us cleachdaidhean a dh’ fhaodadh inntinn an t-sluaigh, ’us gu h-àraidh na h-òige, a thruailleadh; agus mar Cheeann-suidhe Chomuinn thruasail oileanachaidh nam Baintighearn, a chomharraicheadh le Comunn Rioghail Shassuinn airson bacadh a chur air ainiochd do Ainmhidhean, tha mi a’ gabhail orm le dùrachd a bhi ’toirt fo’d aire am briseadh mòr so air an lagh. Is e mo bheachd nach urrainn iadsan a tha gach là a’ faicinn na h-eich ud air leithid a dhroch càramh, iad fhéin a shaoradh o chionta mòr, ma leigeas iad dha dol air adhart, an aghaidh a’ chòir a th’ aig na h-uile creutair air caramh maith, agus cothromach, o lamhan dhaoine, gun labhairt ’n a aghaidh. Tha mòran de luchd m’ eòlais a’ faireachadh gu bheil na h-eich a’ faotainn anacothroim mhòir; tha cuid nach teid anns na carbadaibh idir, a’ meas gu bheil e mi-laghail agus micheart a bhi ’g an tarruing an aghaidh bhruthaichean casa le h-eich; agus cha-n ’eil teagamh orm gu bheil mòran de mhuinntir a’ bhaile a tha mi-thoilichte, nach ’eil ag iarraidh ach beagan brosnuchaidh gu toirt orra bruidheann [TD 27] air a chùis air achd ’us gu’n eisdear riu. Tha so ri fhaicinn ann an cuid de phaipeirean-naigheachd Dhuineidin. Bha e air a mheas, am measg gach maitlh eile a bheireadh na ‘Tramways’ leo, gu’m bitheadh iad a’ deanamh saorsainn mhòir do eich, anns na bruthaichean. Cha bheag an t-aobhar mulaid do mhòran gur ann a thacair air chaochladh dhòigh, agus is dualach gu bheil iadsan, cho maith ris a’ Chomunn agaibhse, a’ sealltuinn airson leighis. Is duilich a ràdh ciod an cunnart a dh’ fheumas a bhi ann do dhaoinibh ri àm reothaidh. Theagamh nach ’eil na carbadan a ’siubhal ’s a gheamhradh. Ach ma tha, mar a tha iad a ’siubhal ’s an t-samhradh, feumaidh an cunnart a bhi mòr, maraon dhoibhsan a tha annta agus dhoibhsan a tha ’coiseachd, no a’ cur each air an t-sràid. Is éigin gur mòr a dh’ fhuilingeas na h-eich thruagha o eagal ’us o phian,—eagal gu’n tuit iad, agus pian roimh an oidheirp ghoirt a th’ aca ri thoirt air dol suas an dìridh chasa, ni gus am bheil na beathaichean bochda, umhail, air am brosnuchadh le sgiùrsadh, an uair a tha an comas air failneachdadh—pian a gheibh innleachd na h-ainiochd doigh air a leigeadh orra an ùine aithghearr, chum an obair a th’ aig na h-eich agus an luchd-cur ri dheanamh, a chiomhlionadh. Is do-dheanta dhomhsa m’ fhaireachadh innseadh ’n uair a chi mi na beathaichean sin—ged a bha mi air mo chleachdadh ri eich fad mo latha. Tha fhios agam gu’m b’ fhearr le h-each bàsachadh no nach deanadh e an obair aige, agus mar sin is aithne dhomh na tha e ’fulang an uair is éigin a bhrosnuchadh le sgiùrsadh goirt. Is ro dhuiliche an sealladh ‘Tramways’ Dhuineidin a chionn agus, anns a bhichiontas, gu’m faic mi gu bheil ainmhidhean a’ faotainn an deagh chàraimh an so, agus is ann is mò an dleasdanas gu’n togadh daoine an guth an aghaidh an droch ionnsachaidh a tha air a thoirt le cleachdadh nan ‘Tramways,’ a’ teagasg mar a tha e ainiochd agus cion spéis do chor agus do chothrom ainmidhean air fad. Bha cliù mòr air m’athair am measg luchd-ruìth nan sionnach, airson mar mharcaicheadh e each-diùltaidh. Leis mar bha a làmh agus a chridhe leis an each, agus leis an eòlas a bh’ aige air a chomas, bheireadh e air iomadh gàradh agus féith a leum, agus siubhal thar mòran de thalamh air nach robh e furasda coiseachd. Tha an t-each bochd air na ‘Tramways’ n a bheathach eile seach na h-eich mhaiseach mheanmnach ud, mar nach ionnan na gillean tha ’g a chur agus am marcaiche seòlta, a bha o cheann leth-cheud bliadhna, air am muin sud. Ach airson sin, is aithne do’n each agus do’n mharcaiche a chéile; agus is urrainn neach ciallach, a mharcaicheas an t-each le seòltachd agus caoimhneas, toirt air an obair a ’s cruaidhe a dheanamh le na ’s lugha de phian. Cha-n ’eil e furasda innseadh an droch bhuaidh air inntinnibh nan gillean, agus gach neach a tha thimchioll doibh, a th’ aig a bhi ag éigneachadh ainmhidhean gu h-obair a tha os cionn an comais. Tha cridheachan caoimhneil gun teagamh ’n am measg, oir is minig a chunnaic mi an t-each sàraichte air a laimhseachadh gu caoimhneil, agus na gillean ’g am marcachd le cùram, agus sin o na h-àitibh far an do thòisich a’ bhruthaich; agus tha an cù a gheibhear cho tric a ruith r’an taobh air dheagh chàramh. [TD 28] Cha ruig mi air innseadh mar a mhilleas droch càramh nan each aca inntinnean nan gillean, agus nan daoine eile tha timchioll doibh; oir is éigin gu’n cruaidhichear cridhe a bha a thaobh naduir caoimhneil, le bhi gach là fo fhaichaibh a bhi ’taisbeanadh ainiochd, chum aran a chosnadh leis. A thuilleadh air a’ bhuaidh bhitheas aige air na gillean bochda féin, is éigin gu’m bi e ’n a aobhar air iomadh briseadh lagha leo an deigh so, agus cha-n urrainn e gun bhi ’g an deanamh suarach mu fhulangais ainmhidhean thruagha, agus mu na laghan a tha chum an dion. Cha bheag na nithean so; an uair a tha Parlamaid na rioghachd a’ rùnachadh airgiod mòr a chaitheamh air sgoilean chum foghlum an t-sluaigh, tha e ’n a dhleasdanas soilleir a bhi toigheach nach deanar dimeas follaiseach air na fiachan fo ’m bheil an lagh, agus spéis do dheadh bheus, agus do mhaith theaghlaichean a’ cur dhaoine, ni air am bheil cinneachadh na rioghachd cho mòr an crochadh, agus an ni àraidh air sgath am bheil sinn toileach airgiod nan sgoilean a phàigheadh. Air dhomh m’inntinn bhi làn de’n aobhar so, is e mo dhùrachd aire a Chomuinn aig am bheil thusa ’n ad rùnair a sheòladh d’a ionnsuidh, agus an dòchas a leigeadh ris, gu’n cleachdar meadhonan air ball chum an lagh a chur an gniomh, agus chum casgadh a chur air gnè theagaisg a tha calgdhìreach an aghaidh na tha e ag agradh. Is mise, Gu Dileas, BURDETT COUTTS. Do Rùnair a’ Chomuiun Albannaich chum bacadh a chur air ainiochd do Ainmidhean. Is e lagh na Parlamaid,—‘Ma ni neach air bith’. . . ‘ainmhidh a bhualadh gu h-ainiochdmhor, a chur ro luath, droch caramh a thoirt da, no a phianadh, no daoine eile a bhrosnuchadh no a tharruing gu a bhualadh gu h-ainiochdmhor, a chur ro luath, droch caramh a thoirt da, no a phianadh, bithidh na h-uile neach ciontach de so a dheanamh fo fhiachaibh suim a phaigheadh mar pheanas nach bi os cionn cuig puinnd Shassunnach, airson gach uair a gheibhear e ’s a chionta.’ EOLAS FEUMAIL. Thugadh coffee do Shasunn a’ cheud uair anns a’ bhliadhna 1641 còrr beag is da cheud bliadhna roimhe so. ’S e cudthrom coitcheann eanchainn fir trì puinnd gu leth; eanchainn mnà dà phunnd is aon ùnnsa deug. Tha cridhe duine fad latha a’ bualadh fagus do cheud mìle buille (92, 160). Tha dà cheud is dà fhichead (240) cnàimh ann an corp an duine. Ithidh bò ceud punnd biadh feurach ’san latha. Ni aon bhò ochd, trì fichead, is ceud punnd ime ’s a’ bhliadhna. Leann air a chleachdadh mar dheoch ceithir cheud bliadhna is ceithir (404) roimh theachd Chriosd. Fìon air a dheanamh am Breatunn anns a’ bhliadhna dà cheud trì fichead is sè deug (276). [TD 29] Tea air a thoirt do Shasunn an toiseach anns a’ bhliadhna 1698 fagus do dhà cheud bliadhna roimhe so. Tòiseachd air éigheach pòsaidh anns a’ bhliadhna 1210, còrr is sè ceud bliadhna roimhe so. Thugadh sìoda ás na h-Innse an toiseach ’sa’ bhliadhna 274 o cheann sè ceud deug bliadhna. Rinneadh paipeir a’ cheud uair do luideagan cotoin ’sa’ bhliadhna 1000, fagus do naoi ceud bliadhna roimhe so. SRUTH A’ CHUAIN. “Ge b’e ni bu toil leis an Tighearna rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantaibh, agus anns na doimhneachdaibh uile. Tha e a’ leagadh sailean a sheòmar anns na h-uisgeachaibh, a’ deanamh nan neul ’n an carbad dha féin, a’ siubhal air sgiathaibh na gaoithe.” Tha’n cuan farsuinn agus mòr le uile ionadan-tasgaidh nan uisgeachan fo reachd do Dhia. Tha beathaichean beaga agus mòra a’ chuain a’ feitheamh Airsan, chum gu’n toir e dhoibh am biadh ’na thràth. Tha fallaineachd is comhfhurtachd chreutairean mara is tìre an crochadh ann an cuid air sruth-chuislean a’ chuain. Chum na crìche so tha amhainn mhòr mar chuisle neartmhoir a’ ruith troimh chridhe a’ chuain. Cha’n fhairich an amhainn uaibhreach so, aon chuid tart an t-sàmhruidh theth, no reóiteachd a’ gheamhraidh fhuair. ’S i so amhainn ’na gné is na gluasad a ’s mìorbhuiliche ’s a’ chruinne-ché. Tha a bruachan agus a grunnd do uisge fuar, is coileach a sruth do uisge teth. Tha sruth na h-aimhne òirdheirc so mìle uair ni’s braise, ni’s leithne, agus ni’s fhaide na na h-aimhnichean ainmeil agus cumhachdach sin am Mississippi agus an Amason. Tha aig Sruth a’ Chuain a mhàthair-uisge ann an Camus Mhecsico agus a bhun anns na fairgeachan reòidhte tuath is deas. Tha’n Sruth so ’na thuil-bheum ag éiridh ann an Geodha-Mhecsico, agus a’ teachd, le luathas na dreige, a’ giùlan blàthais agus fallaineachd gus an Roinn-Eorpa. An uair a tha an tuilteach uisgeachan teithe so a’ fàgail a’ Chamais tha’n t-àite tha air fhalamhachadh air a lìonadh leis na sruithean fuara a tha ag aomadh a steach o na cuantan reòidhte. Air slios mara agus air cladaichean feanntaidh fuara nan Stàitean Aonaichte cha’n fhaighear an seòrsa maoraich agus a’ ghné chreutairean sin a gheibhear ann an cèarnaidhean blàth do’n chuan. A thaobh teas Sruth a’ Chuain cha’n fhaighear a’ mhuc-mhara faisge air. Cha mhòr àitean ’s am bheil seòladaireachd cho cunnartach ’s a tha i air taobh tuath nan Stàitean Aonaichte ’s a’ gheamhradh; oir m’an d’fhuair maraichean eòlas air Sruth a’ Chuain bha e mòran ni bu dorra seòladh á Breatunn gu Iorc Nuadh no gu Rudha Chesapeac na tha e’n diugh. Is iomadh uair a mheataicheas gaoth, gailionn is fuachd an turuis so misneach, neart is sgil a’ mharaiche. ’Nuair bhitheas an long air fàs mar charragh eighe, agus na làmhan rag le cranndachd gaoithe agus le reòiteachd mara ’s e ’n cuspair air am bheil cridhe nam maraichean suidhichte ruigheachd air Sruth a’ Chuain. Air dhoibh a’ chuisle ghaoir-theasach so a ruigsinn sud an long a dh’aon sitheadh a steach o fhuachd [TD 30] oillteil a’ gheamhraidh, gu blàthas aoibheil an t-sàmhruidh. Cuiridh an long dhi a nis a trusgan liath reòidhte agus fairgeachaidh i i féin ann an uisgeachan maoth-bhlàth, agus bheir an t-àileadh tlusmhor agus an sìoban-mara tlàth ùrachadh is spionnadh do na maraichean. Tha Sruth a’ Chuain a’ taomadh a stigh o’n àirde tuath agus o’n àirde deas gu crios-meadhoin na cruinne far am bheil e fàs cuartagach ’na ghluasad. Ann an so tha e mu thimchioll deich ceud fichead mìle air leud. ’S e a leud eadar Cuba is Florida dà mhìle deug ’ar fhichead, agus a dhoimhneachd dà cheud ’ar fhichead troidh. Tha’n Sruth so mòran ni’s teòithe aig ’uachdar na tha e aig ’ìochdar agus mur bhitheadh an teas a ta e a’ giùlan air falbh á Geodha Mhecsico cha b’urrainn creutairean mara no tìre a bhi beò air còrsan an àite sin; agus cha mhò a bhitheadh a leithid do blàthas no do thoradh tìre is do thachdar mara againn ’s na h-Eileannan Breatunnach agus air Tìr-mòr na Roinn-Eòrpa. Na ruigeadh na tha Sruth a’ Chuain a’ sgaoileadh a mach do theas ann an aon là geamhraidh air aghaidh a’ Chuain Siar, air a bhi air a chompàrtachadh ris an fhuachd a tha againn ann am Breatunn agus anns an Fhraing dh’atharraicheadh e ’n aimsir a dh’aon bheum o reòiteachd fuachd meadhoin a’ gheamhraidh gu àirde teas an t-sàmhruidh. ’S i a’ ghaoth ’n iar a tha a’ giùlan leatha teas o Shruth a’ Chuain agus a’ measgachadh leis a’ ghaoth tuath gu bhi a’ marbhadh a puiseanteachd a tha a’ toirt duinn aimsir fhàbhurach gheamhraidh. ’S e blàthas Sruth a’ Chuain a at a’ sgeudachadh Eirinn le culaidh uaine, agus a ta ag éideadh Albainn aosda le trusgan òg is sean cha bhiodh. Tha cuislean o’n t-Sruth so a’ ruith tuath is deas, sear is siar, agus a’ giùlan leòtha àireamh cho mòr do lusan do gheugan ’s do chraobhan briste gus an saoileadh neach gu’m b’urrainn e coiseachd orra mar air talamh tioram. So an ni o’n do shaoil Columbus agus a chuid sheòladairean gu’n robh crìoch air an seòladh, gu’n robh iad aig cùl a’ chuain agus faisg aìr fearann. “Luchd-loingeis théid air muir, ’s a bhios Ri gnìomh an uisgibh buan; Dhoibh sud is léir mòr-oibre Dhé, ’S a mhìorbhuilean ’s a’ chuan.” TURUSACH. MANAICH BHEINN ATHOIS. Thòisich naimhdeas gle thràth eadar an Eaglais Ghreugach agus an Eaglais Laidin, no Ròmhanach. Thàinig an gamhlas eadar an dà Eaglais so gu h-àirde cho mòr gus anns a’ bhliadhna 1054 an do dh’ioma-sgar Pàpa na Ròimh Cerularius Ard-sheanair Easbuigeach na h-Eaglais Ghreugaich ann an Constantinòpal prìomh-bhaile na Tuirc. Tha’n Eaglais Ghreugach car ni’s gloine agus ni’s fallaine na Eaglais na Ròimh; oir cha’n ’eil i a’ creidsinn ann an Neo-thuiteamachd duine mar Riochd-fhear Chriosd anns an Eaglais fhaicsinnich, cha mhò tha i a’ creidsinn gu’m bheil éifeachd ann a bhi ag aoradh do’n òighe Muir, no do aon air bith eile do na naoimh. Tha’n Eaglais Ghreugach mar an ceudna a’ cur cùl ri teagasg mi-reusonta agus neo-scriobturail na Purgadaireachd. [TD 31] Shaoil Melancthon agus cuid do aithrichean an Ath-leasachaidh gu’n tilgeadh an Eaglais Ghreugach i féin le gàirdeachas ann an gàirdeanna na h-Eaglais Ath-leasaichte ach bha iad air cùl an naidheachd. Chaidh Leabhar Aidmheil a’ chreidimh Phròstanaich ’s a’ chànain Ghreugaich a chur gu Ioseph is gu Ierimiah II.—Prìomh-aithrichean na h-Eaglais; ach chuir na fir so dhiubh gach car a chuireas am biadh ’s an fhaochaig gu faighinn cuibhte ’s gnothach a ghabhail ris an Ath-leasachadh. Tha’n Eaglais Ghreugach agus an Eaghlais Ròmhanach a’ còrdadh ann an ceumaibh sònruichte mar ann an cùis a bhi ag aideachadh agus a’ cumail suas lunndairean cràbhach mar tha manaich agus seòid dhìomhain de’n t-seòrsa sin. Tha tri mìle (3000) manach a bhuineas do Eaglais na Gréig a’ támhachd air Beinn Athois ann am Macedonia, mìr fearainn a bhuineas do’n Impire Thurcach. Tha na manaich bhochda so a’ pàigheadh cuig ceud deug punnd Sasunnach (£1500) màil ’s a’ bhliadhna do’n Turcach. ’S e rudha fearainn a th’ann am Beinn Athois mu’n cuairt air dà fhichead mìle air fad. Air an rudha so ris an abair na Greugaich sliabh nan naomh tha fichead tigh manach, deich air gach taobh dheth. Cha’n fheud creutair boirionn mar a tha bean, bò, caora, làir, cearc, agus mar sin sìos, an cas a chur air a’ bheinn naomh-choisrigte so. Tha e air aithris gu’m bheil féillean mhanach Bheinn Athois fìor raighailteach agus rianail do bhrìgh nach cluinnear guth nighean màthar ’nan sràidibh no ’nan tallaibh. Ann a bhi a’ fágail nan uile nithean agus a’ leantuinn Chriosd, cha’n’eil na manaich Ròmhanach a’ cur cùl ri fòghlum; ach tha manaich Bheinn Athois ag rádh gum bheil iadsan ni’s dìlse do Chriosd, oir gu’n do chuir iad cùl ri fòghlum mar an ceudna. Tha gun teagamh tigh aca anns am bheil mìltean de leabhraichean làmh-sgrìobhte, ach cha rannsaich iad ciod a ta annta. Tha na manaich so an cómhnuidh a’ caitheamh eudach de’n aon seòrsa, tha’m biadh aca mar an ceudna an co-chomunn, oir anns gach fárdaich air leth tha gach fear fo chromadh an tighe a’ suidhe sìos aig an aon bhòrd. An uair a bhitheas gnothuichean an òrduigh aca r’an ceartachadh coinnichidh fichead fear, fear-ionaid o gach fàrdaich agus taghaidh iad ceathrar gu bhi ’nan cinn-shuidhe a los cùisean a chumail riaghailteach. ’S e Caires ainm a’ bhaile ’s am bheil an naomh-sheanadh gu cleachdail a’ coinneachadh. ’S e beul-aithris nam manach Greugach gur h-i Helena mathair Chonstantin Mhòir a chuir air an casan ’s a’ cheithreamh linn tighean-manach Bheinn Athois. Cha’n’eil amhrus nach robh a bhean-uasal chràbhach so tuilleadh a’s déidheil air cuimhneachain neo-tharbhach de’n t-seòrsa so. Thug Dean Stanley uair no dha sgrìob do Bheinn Athois a thional eòlais am measg leabhraichean nam manach. Feudar innseadh gu’m bheil an Eaglaìs Ghreugach air a roinn ’na ceithir mòr-roinnean (1) Constantinòpal, (2) Alecsandria, (3) Ierusalem, is (4) Antioch. Tha Prìomh-athair ’na cheann air gach aon dhiubh so, agus fopa tha na h-easbuigean agus na deacoin. Feudaidh e toileachas a thoirt do chuid d’ar luchd-leughaidh a [TD 32] chluinntinn an uair a choinnich Ard-sheanadh na h-Eaglais Ghreugaich ann an Namphlia ’s a’ bhliadhna 1833 gur h-i aon de na fìrinnean stéidheil a chuir iad an altaibh a chéile mar fhìrinn, bhunaitich na h-Eaglais aca,—‘Gur h-e Criosd a mhàin Ard-cheann agus Rìgh na h-Eaglais Ghreugaich aun an cùisibh spioradail.’ S. L. FIOS COITCHEANN. Tha an t-Urr A. MacAoidh, ministeir òg, air a shuidheachadh ann an Rògart, an àite Mr ’Ic Leòid nach maireann. Mu àm na bhliadhn’ ùir thug an Coithional am Boghmòr tiodhlac do ’n Urr. Mr Macgillechriosd mar thaisbeanadh air am meas air. Tha sinn toillichte fhaicinn gu ’m bheil ministear òg eile an t-Urr. A. Macillemhìcheil gu bhi air a shuidheachadh ann an sgìre a’ Chnuic an Leòdhais, far an robh Mr MacDhòmhnuill a ta a nis ann an sgìre Rògairt. Tha ar caraid Mr Macillemhìcheil ’nà shearmonaiche taitneach, cleachdail ’san dà chainnt. Tha coinneamhan air an cumail an Lunnainn agus ann an bailtibh mòra eile Bhreatuinn le Prothastanaich a chur an céill an comh-fhaireachduinn ri Impire na Gearmailt ’na oidheirpean a chumail fodha agus a sgiùrrsadh ás an rìoghachd aige nam Pàpanach a tha gu mi-laghail a’ creidsinn ann an Neo-thuiteamachd a’ Phàpa. Bha a’ choinneamh chaidreach bhliadhnail air a cumail le Buill a’ Chomuinn Ghàilig an Ionar-Nis air an treas là deug de Ianuari. Bha Cluani Mac-a-phearsoin ’s a’ chathair. Bha duin’-uasal á Chicago an America, Mr MacAoidh a chuidich Comunn Gàidhleach a chur air chois air taobh eile a’ chuain, an lathair. Bha sinn duilich a thoirt fainear nach robh an Rùnear, Mr U. Mac-Choinnich comasach a bhi an làthair, air dha bhi tinn; ach bha àite air a thogail gu freagarrach le Mr Mac Mhurachaidh. Tha gluasad mòr ann am bailtibh mòra ’san Taobh Deas o cheann ghoirid. Thòisich so gu h-àraid an co-cheangal ri searmonachadh dà Shoisgeulach Americanach, Mr Moody, agus Mr Sankey; an dara fear gu h-àraidh air son labhairt, am fear eile air son seinn laoidhean. Bha Revival no dùsgadh mòr aca an Dùn-Eideann; ministearan ás gach aidmheil a’ tighinn a ’n cuideachadh. Tha dùil gu ’m bheil na h-Americanaich ri cuairt a chur air bailtibh mòra eile mar tha Glaschu is Dùndeadha, &c., far am bheil coinneamhan ùrnuigh air an cumail air an aghaidh gach là ’s an t-seachduin mu mheadhon latha air son dùsgaidh coitcheinn am measg an t-sluaigh. [TD 33] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 3.] Mairt, 1874. [LEABH. II. IERUSALEM. “Ierusalem mar chathair i, thogadh gu dìleas dlùth; D’an téid na treubhan suas gu léir, ’s iad treubhan Dhé nan dùl.” [Dealbh] BAILE IERUSALEIM. [TD 34] 1. An t-ainm Ierusalem.—Tha’m focal Ierusalem a ta air a dheanamh suas do dhà fhocal Eabhra ieru agus shalem, no ierush agus shalem a’ ciallachadh aon chuid stéidh na sìth, no, oigreachd na sìth. Theireadh cuid ris o shean baile nan ceithir ainmean, ’s iad sin, Salem, Iebus, Ierusalem agus Aelia. B’e ceud ainm Ierusalem Salem air an robh Melchisedic sagart rìoghail na fìreantachd na rìgh. B’e fear eile do rìghrean Ierusaleim Adonisedec—tighearn na fìreantachd. ’S e’ cheud àite ’s am bheil am focal Ierusalem a’ tachairt oirnn Ios. x. 1. Rinn Daibhidh e’ na phrìomh-bhaile a rìoghachd agus mar so theirteadh ris baile Dhaibhidh. An so thog Solamh an teampull—tigh Dhe, agus o so fhuair Ierusalem an t-ainm am Baile Naomh, ainm a th’aig na h-Arabaich air gus an la an diugh. 2. Suidheachadh a’ bhaile.—Cha’n’eil e duilich tighean is bailtean a thogail ann an Tìr a’ Gheallaidh a thaobh cho soirbh ’s a tha clach is aol fhaotainn ’s ann air àrdan gruinnd do chloich aoil a tha baile Ierusaleim air a thogail. Tha e faisge air ceann tuath na Fairge Shalainn agus air a chuartachadh le beanntaibh baidealach ’s le cnocaibh turaiteach a tha ’nam bàbhuin laidir timchioll a’ bhaile. ’Nan dà ursainn-dhion dlùth air tha Beinn Shion agus Sliabh nan Oladh a thuilleadh air ballachan laidir ’s air gleanntan domhain. Tha’n dràsd ceithir geatachan a dhol a steach do’n bhaile, agus mar théid an turusach a stigh tacharaidh ris sràidean, caola, corrach is mi-dhòigheal le tighibh dorcha cosmhuil ri priosanaibh. 3. Sluaghmhoireachd a’ bhaile.—Tha ann an Ierusalem córr is fichead mìle anam, (20,330), ghabhaidh iad a bhi air an roinn mar a leanas, do’n chreideamh Chrìosduidh cuig mìle is ochd, (5008); Mahometanaich, Turcaich is Arabaich seachd mìle cuig ceud gu leth is sé deug, (7556); Iudhaich seachd mìle seachd ceud is sé, (7706. Feudar na buidheannan a bhuineas do’n chreideamh Chrìosduidh a roinn mar so, Eaglais na Gréig—dà phriomh-athair, sé easbuigean, ceud gu leth sagart, ceithir fichead is deich cailleach dhubh, ceud gille òg a’ fòghlum airson na sagartachd, aon oil-thigh, trì sgoilean, dà eaglais dheug, dhà dheug do thighean chailleachan dubha, agus aon bhùth lighiche. Eaglais na Roimh,—aon phrìomh-athair, ceud sagart, deich òighean, dà eaglais, dà thigh-òighean, dà thigh eiridin, aon tigh déirc, aon tigh aoidheachd, aon tigh clo-bhualaidh, aon oil-thigh, dà sgoil. Armenianaich,—aon prìomh-athair, dà easbuig, dà shagart dheug thar fhichead, trì fichead deacon, cuig òighean fichead, dà sgoil, trì tighean òighean agus aon tigh clo-bhualaidh. Coptaich,—trì sagairt, aon tigh òighean is eaglais. Greugaich Romhanach,—aon easbuig, dà shagart, aon òighe le a tigh, is aon eaglais. Iacobaich Shiriach,—aon easbuig, dà shagart, aon òighe le a tigh is eaglais. Prothastanaich,—aon easbuig is seachd ministirean. Aig an àm a rugadh Criosd bhitheadh mu dhà cheud mìle pearsa (200,000), ann an Ierusalem. Tha air a ràdh gu’m biodh a’ tional a steach do’n bhaile aig Féill na Càisg dà mhuillion sluaigh. Aig an àm cheudna bha ceithir cheud is trì fichead sionagog ’s a’ bhaile, ach an dràsd cha’n’eil ann ach seachd dhuibh. Cha’n fheud Iudhach mur ’eil e ’na Phrothastanach dol a steach do’n bhaile, nì mò bhuineas troidh do fhearann Ierusaleim do aon do na h-Iudhaich a mach o’n mhìr bheag a cheannaich Sir Maois [TD 35] Montefiore làimh ri rathad Bhethleheim. Gidheadh tha e ’na ni iongantach nach ’eil uair a tha aon do na h-Impirean Turcach d’ am buin am baile a’ bàsachadh, nach ’eil na h-Iudhaich a’ cur fios air iuchraichean Ierusaleim gu Constantinòpal. 4. Aimsir an àite.—Tha na gaothan anabarrach caochlaideach ’s an dùthaich so gu léir. Tha uisge teachd an còmhnuidh leis a’ ghaoith ’n iar, agus teas neo-àbhuisteach leis a’ ghaoith deas, Lucas xii. 54, 55. Tha dealt, ceò is neòil iosal dhorcha ro-chumanta ’san àite. Tha’n aimsir fliuch Nobhember gu March—an ceud uisge an Nobhember agus an t-uisge deireannach ann am March. Thig sneachd cor uair ach cha’n’eil e trom, agus air uairibh bithidh Sliabh nan Oladh cùmhdaichte leis. Tha mòran a ghabhadh innseadh mu Ierusalem, ach cha cheaduich ùine dhuinn labhairt orra aig an àm so. “Cia uaigneach a ta i ’na suidhe, a’ chathair a bha làn do dhaoine! cionnas a dh’fhàs i mar bhantraich! Ise bha mòr am measg nan cinneach, agus ’na h-uachdaran am measg dhùthchanna, cionnas a ta i air teachd fuidh chìs!” LAOIDH AIR AN SON-SAN A TH’ AIR MUIR. “Chi iadsan gnìomharan an Tighearn, agus a bhearta iongantach san doimhne.”—Salm cvii. 24. Athair nam feart o chian nan cian, Do ghàirdean chaisg na tuinn fo shian, ’S tu thug do’n mhòr-chuan àithn’, gach uair, Gu gluasad anns na criochaibh fhuair. A’ghuidhe éisd ’tha ’g éiridh uainn Mu’n t-sluagh ’tha ’muigh an cunnart cuain. O ’Chrìosd do ghuth gu’n cual’ na tuinn, ’S do ghàirdean chaisg am buaireas dhuinn; ’S tu ’cheum an doimhne chobh’rach gharbh ’S bu shèimh do shuain ’nam buaireas searbh. A’ghuidhe éisd ’tha ’g éiridh uainn Mu’n t-sluagh ’tha ’muigh an cunnart cuain. O ’Spioraid Naoimh a luidh ’s a dh’fhalbh Air talamh falamh, dorch, gun dealbh, ’S le d’àithne ’chaisg a bhuaireas dian ’Cur sithe ’s taimh air aimhreit’ shian A’ghuidhe éisd ’tha ’g éiridh uainn Mu’n t-sluagh ’tha ’muigh an cunnart cuain. ’Thrionaid nam feart, làn neirt a’s gràidh, ’Nuair airc do’r bràithribh dìon an àigh, O sgeir, o shian, o theine ’s nàmh, ’Nan taic’ gu’n dìon ’nan triall ’s ’nan tàmh. Do chliù an laoidhihh éiridh uainn Le moladh sìor o thìr ’so chuan. EAD. A. M. [TD 36] DROCHAID NAN GAIDHEAL. II. (Air Leantuinn.) Thàinig na h-Eglaisean a mach; agus an ùine gheàr bu leòr duit do rathad a dheanamh troimh dhòmhlachd nan daoine. Bha Sràid an an Dòchais féin leathan agus mar tha i car cumhan do na Gàidheil thromadach leadarra ud a bha le ’m brògan fasanta a’ toirt farum ás a h-uachdar. Bha grunnan an sud, is grunnan an so, a’ caitheamh go fileanta lasgarra na cànain aosda ud a bheir faisg ort fàileadh cùbhraidh “tir na Gàilig ’s an Fhéidh.” Fear thall agus fear a bhos a’ fàilteachadh. Feadhain a’ tighinn a nuas o Eaglais Urchadain; is feadhain eile dol suas o Eaglais a’ Blàraich; iad so a’ coinneachadh agus a’ toirt treis air cainnt. Chì thu seann laoich ’nam measg sud le ’n teaghlaichean stéidheil, measail a’ falbh agus a’ tighinn gach Sàbaid ann an àm iomchuidh. Aithnichidh tu air na seann laoich ud fathast gur h-ann an tìr na Gàilig a chaith iad an ceud làithean. Ged a labhras iad a’ Bheurla gu glan, bríghmhor eagarra gidheadh tha guth is ceòl na Gailig ’s an fhraoich a’ toirt suspainn is dùrachd do na focail Bheurla. Ach tha an clann air an làimh eile grinn is ealanta leis a’ Bheurla chruaidh Shasunnaich! cho math leatha, mur ’eil air thoiseach, air na Goill féin. Tha iad so cho gaolach am bicheantas air a’ Ghàilig ri an aithrichibh. Ach tha cuid a dh’ fhocail Gháilig a tha tuilleadh is bog air an son; agus cluinnidh tu iad ’gan caolachadh gus an fhuaim Shasunnaich. Ach is iad an fheadhain is lìonmhoire ’n am measg sud uile cailean òga is gillean a tha air mhuinntireas no an àitean eil’, agus a tha a nis an déigh cainnt nan Gall a thogail cho math agus gu ’m bi iad ag ràdh gur h-i Beurla a nis a ’s feàrr leotha. Bidh iad so ro dhiombach ma their thu riu gu ’m bheil blas na Gàilig air an teangaidh ùir a dh’ aindeoin nan car a chuireas iad di a dheanamh am Beurla Gallda. An fheadhain a tha air ür thighinn a mach cluinnidh tu iadsan a ghnàth aig cainnt am màthar; oir cha’n ’eil am prabarsaidh Bheurla brìghmhor gu leòr a dheanamh an sgeòil no an rùin dhìomhair taitneach. ’Ach ’s i Ghàilig a bh’ aig Gilleasbuig is aig Màiri co-dhiū; agus mar thubhairt Gilleasbuig mu Cheit thionndaidh an gnothuch fìor, chunnaic iad i-féin agus Aonghas a nuas an t-sràid còmhla. An dèigh furan fàilte chur air a chùile thuirt Aonghas, “An robh sibh san t-searmoin an diugh idir?” “Cha robh sinn innte fathast, ach tha dúil againn dol a ’n té Bheurla agus a ’n Ghàilig feasgar,” fhreagair Màiri. “Seadh, seadh,” arsa Ceit, “tha an t-searmoin roimh mheadhon là dol á fasan, gu sònruichte mar is ann an Gàilig a bhios i.” “’Se dìreach, meud-mhòir agus cothrom fhaotainn sgrìob a thoirt gus an Drochaid aindiadhaidh ud an déigh uair na searmoin na h-aobharan nach faic thu ’san eaglais iad. Bithidh iad cuideached fada gun éirich air son na ceud searmoin, ach bidh iad trà gu leòir air son na Drochaid.” Mar so labhair Aonghas ann an dòigh car fanoideach. “A nis, Aonghais, nach ann a choinneachadh Cheit a chaidh thu féin [TD 37] an eaglais an diugh? Shaoil mi o ’n thionndaidh thusa a ’d’ Bhaisteach nach rachadh tu an Eaglais Shaoir? Ach bithidh tu a’ dol ann gus am faigh thu Ceit leat; tharuing thu leat i roimhid ás an Eaglais Stéidhichte,” thuirt Gilleasbuig. “Och! an do bhaisteadh esan?” thuirt Máiri. “Tha thu nis baiste dá uair. ’Se an gnothuth iongantach e; agus clann phiuthar m’athar-sa gun bhaistaeadh sean na òg. Is tòigh leam féin, ma ta, na Baistich; is ann diubh a bha mo sheanair.” “Tha esan gu math dheth,” thuirt Gilleasbuig; “tha e-féin baiste dá uair; agus cha’n ’eil fhios agam an toir e d’ a chloinn aon bhaisteadh. Ach b’ fheárr leam gu ’n robh móran cosmhuil ris na Baistich. Ach cha d’ innis thu dhomh, Aonghais, gu dé tha thu fèin agus Ceit a’ dol a dheanamh?” “Tha mi ’n dòchas nach dean sinn droch ni air bith co-dhiù,” thuirt Aonghas; “b’ fheárr leam gu ’n gabhadh tusa is Máiri, agus gach aon d’ ’ur seòrsa gràin do ’n Drochaid air là na Sàbaid. Nan deanadh do bhaisteadh stad a chur ortsa o dhol air an là cheudna gu Pàirc an Taobh Deis, dheanainn mo dhìchioll air son do thumadh.” GEARR-CHUNNTAS MU’N PHAPANACHD. Anns a’ Chatholic Directory air son na bliadhna so, 1874, a tha an dràsd air a chlò-bhualadh, tha air innseadh gu’m bheil ann an Albainn dà cheud is aon deug ’ar fhichead (231) sagart Pàpanach; is dà cheud is ochd ’ar fhichead (228) eaglais is caibeal. Tha tri do na sagairt so ’n an easbuigean, ’s iad an ainmean, an t-Urr. Iain Strain, Dhun-éidin, Easbuig Abila; an t-Urr. Teàrlach Eire, Ghlaschu, Ardeasbuig Anasarba; agus an t-Urr. Iain Mac Dhòmhnuil, Abar-eadhain, Easbuig Nicopolis. Tha’n triùir so ’n an Riochd-fheara Abstolach. Tha ann an Albainn aon Oil-thigh Pàpanachail ris an abrar Saint Màiri ann am Blairs. Tha ann am Breatunn ochd ’ar fhichead (28) tigh-mhanach agus aon ’ar fhichead (21) tigh-òighean is chailleacha-dubha. Tha anns na tri Rioghachdan ochd ceud, deug ceithir fichead is tri deug (1893) sagart Pàpanach. Tha so aon ’ar fhichead (21) a bharrachd air na bh’ann an uiridh. Dà cheud deug gu leth is tri (1253) eaglais is caibeal,—ochd a thuilleadh air na bh’aca air a’ bhliadlma so chaidh; dà cheud dà fhichead is seachd (247) tigh aoraidh uaigneach; aon ’ar fhichead (21) Oil-thigh; ceithir fichead is sè (86) tigh-mhanach; dà cheud tri fichead is ochd (268) tigh-òighean. De’n tri fichead sagart a thàinig a mach air a’ bhliadhna chaidh seachad tha aon deug dhiubh ’nan Iesuich (Jesuits). Tha aig na Pàpanaich cuig ceud is dhà ’ar fhichead (522) de thighean sgoile a bhàrr air na th’aca de àitean fòghluim uaigneach fo riaghladh mhanach is chailleacha-dubha. Tha aca mar an ceudna ochd ’ar fhichead (28) eadar Ardeasbuigean is easbuigean; tri deug ’ar fhichead (33) Moraire; dà fhichead is seachd (47) Ridire; tha sè (6) Papanaich ’n am buill de chomhairle Dhìomhair a’ Chrùin; seachd deug ’ar fhichead (37) dhiubh ’n am buill ’s a’ Phàrlamaid, agus ochd deug (18) ’nan Aoraidhearan ’s an arm. [TD 38] PROTHASTANACHD ’SAN FHRAING. Tha anns an Fhraing an diugh mu chùig muilliona deug thar fhichead gu leth (35,500,000) do shluagh a bhuineas do ’n Eaglais Phàpannaich ann an ainm. Roimh àm a’ chogaidh bha muillion diubh so ag aideachadh Prothastanachd, ach do’n mhuillion so bha dà cheud mìle a bha fuireachd ann an Alsace agus ann an Loraine, ceàrnan a thug a’ Ghearmailt o ’n Fhraing, agus a tha a nis air an àireamh leis a’ Ghearmailt. Tha aig an Eaglais Athleasaichte Rìoghachdail còrr is sè ceud mìle, 530,000 ’n am buill ceangailte rithe; buinidh an còrr do na Prothastanaich do ’n Eaglais Shaoir Fhrangaich agus do Aidmheilean eile. Ann an soisgeulachadh na dùthcha tha na Prothastanaich a’ deanamh ni ro-ionmholta—tha iad a’ giùlan air a h-aghaidh na h-obair mar aon—’se sin gu bheil iad aonaichte anns an obair mhòir so. B’e an cogadh mu dheireadh aon do na h-aobharan a dh ’oibrich chum so. Theagaisg an cogadh mar an ceudna an leasan mòr so, “gu ’m feumadh an Fhraing a bhi air a breith a rìs.” Aig Co-labhairt Soisgeulach a bha air a chumail aig Nismes o cheann dà bhliadhna bha ceud agus deich thar fhichead do mhinisteirean agus do sheanairean a làthair; agus chòrd iad gu h-aonsgeulach gu ’m biodh Comunn Craobhsgaoileadh an t-Soisgeil air a chur air chois. Is i aon do na riaghailtibh a tha air gach ball gu ’m bòidich gach neach “gu ’n dean e na ’s urrainn e le obair phearsonta a thoirt air aghaidh rìoghachd an Fhir-Shaoraidh.” Tha riaghailt eile ann “gu ’n oibrich mnathan a tha ’n an luchd-aideachaidh air an aon dòigh agus chum na h-aon chrìch.” Cheangail mòran iad féin mar so; agus ’nam measg cuid a dhaoinibh ainmeil. Tha mu cheud ionad-oibreachaidh aca so feadh na rìoghachd. Oraidean air an liubhairt anns na bailtibh mòra; agus tha Turusaich Shoisgeulach a’ searmonachadh feadh na dùthcha, a’ misneachadh na muinntir dhìleis a tha air an sgapadh gu h-annamh ’s an Fhraing, agus a’ sgaoileadh dhuileagan le teagasgaibh Sgriobturail. Tha Comunn eile air chur air chois ann am baile mòr Pharis fo riaghladh na Ban-uasal Préssensé. Tha an Comunn so a’ toirt obair do mhnathaibh bochda a dh’ fhàgadh ’nam bantraichean air d’ am fir tuiteam ’s a’ bhlàr. Tha e mar an ceudna fosgladh àitean aoraidh am measg luchd-obair Pharis. Tha trì Comuinn Bhìobuill aca air am bheil iad a’ cosg còrr is sè mìle punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna agus Comuinn Leabhraichean air am bheil iad a’ cosg cùig mìle. A bhàrr air so tha ochd mìle punnd Sasunnach air an caitheamh ’s a’ bhliadhna air cuspairibh feumail eile. Tha an “Comunn Meadhonach,” Société Centrale, a chuireadh air chois o cheann fichead bliadhna, an comh-cheangal ris a’ mhuinntir Shoisgeulach anns an Eaglais Ath-leasaichte Rìoghachdail. ’Se rùn àraidh a Chomuinn so àitean aoraidh ullachadh air son nam Prothastanach a tha air an sgapadh feadh na rìoghachd. Cha ’n ’eil ceàrnaidh bheag do ’n dùthaich anns nach faigh thu beagan Phrothastanach a leaghas air falbh am measg nam Pàpannach, ma dh’ fhàgar dhoibh féin iad. Tha ionadan aoraidh aig a’ Chomunn so ann an seachd agus ceithir fichead baile, anns nach ’eil meadhon Prothastanach ’s am bith eile. Tha mar an ceudna an [TD 39] “Comunn Soisgeulach” a’ deanamh obair mhòir. Tha trì fichead Turusach aige ’ga chumail air falbh. Tha iad so uile a’ fulang le lughad an tuarasdail a tha aca. Feumaidh iad na h-eileimeidean coitcheann ionnsachadh do ’n t-sluagh; feumaidh mòran a bhi air an teagasg ann an “Cainnt a’ Bhìobuill.” Tha iad air iomadh dòigh ni ’s miosa na na fineachan; oir tha am beachdan creidmheach cho mealltach, agus feumaidh an cogais a bhi air a cumadh ás ùr mu ’n tuig iad teagasg Soisgeulach. Tha Comunn eile ann a tha ri saothair am measg Phrothastanach taobh deas na Frainge. Tha tuilleadh air deich àite aoraidh aca. ’S ann anns an Fhraing a gheibh thu an dràsd teas meadhon na strì mòir ud a tha air a dùsgadh leis a’ Phàpa. ’Si an aon dùthaich anns am bheil greim aig a’ Phàpa mar an Tì Neo-Thuiteamach air thalamh air uachdaranachd na rìoghachd. Ach cha ’n ’eil gràdh aig an t-sluagh do ’n Phàpanachd. Mar thuirt neach tha, An Fhraing an dràsd cosmhuil ri steud—ri steud mhaiseich—air an do leum marcaiche ro sheòlta. A nis tha an steud a’ breabadh ach tha am marcaiche a’ fantuinn shuas. Tha càirdean nan sagart féin ag aideachadh gu ’m bheil tuil mhòr ag éiridh ’n an aghaidh. Tha mìorbhuilean nan sagart a’ call an suspainn ann an sealladh an t-sluaigh. Bha na Papanaich a’ cumail a mach gu ’n d’ fhoillsich an òighe Muir i-féin aig Salette. Ach tha cuid diubh féin ag ràdh nis nach robh innte ach seann òighe mhaiseach á baile Bhoulogne. Gu ’n d’ aidich i do ’n t-sagart gu ’m b’ise a’ mhaighdionn a bha ann: Gu ’n do sheall i d’ a fear-treòrachaidh an t-éideadh a bhiodh oirre: Agus gu ’n d’ fhàs bàrr buntàta ann an achadh a rinn ise a mhallachadh. Tha nithean mar so a’ dearbhadh do ’n t-sluagh feallsachd mìorbhuilean nan sagart, agus a’ fosgladh doimhne eadar a’ Phàpanachd agus an sluagh. Tha an Fhraing an dràsd mòran ni ’s deònaiche éisdeachd ris an t-soisgeul na tha muinntir gu coitcheann a’ saoilsinn. Tha an Fhraing saobh-chreideach do bhrìgh agus gu bheil i aineolach; agus feumaidh eòlas an t-slighe ullachadh air son an t-soisgeil. Chithear so o ’n ìnnseadh a leanas. O cheann beagan bhliadhnachan bhàsaich duine aig Chateauvoir. Bha fhios aig a’ h-uile duine gu ’n robh e ’na Phàpannach; agus a thaobh gu ’n robh e beairteach rinn na sagairt adhlacadh urramach air. Ach bha ioghnadh air na h-uile, agus fearg air na sagairt mar a fhuair iad na briathran so ’na thiomnadh:—“Bha mi beò, agus tha mi bàsachadh a’ m’ Phàpannach; ach ’nuair a bha mi a’ m’ shaighdear chunnaic mi cinnich Phrothastanach, agus is e mo mhiann gu ’n glacadh an Fhraing thuice a’ chreud ud. Tha mi fàgail mo mhaoin uile agus ’g a sònruchadh a thogail Eaglais Phrothastanaich ann am baile Chateauvoir, m’ àite-dùthcha.” Chaidh ceithir fichead mìle saighdear Frangach iomain do dhùthaich nan Swiss; agus mu ’n do thill iad thàinig iad gu mòr fo bhuaidh teagasgan diadhaidh. Thug aon saighdear Tiomnadh Nuadh leis dhachaidh do bhaile an ceann Tuath na Frainge. Bha e ’na Leabhar ùr do mhuinntir a’ bhaile, agus bha mòran dian air focal na Beatha fhaotainn. Ann an Corsica dh’ iarr an sluagh ministeir Prothastanach a chur thuca. Bha fearg nan sagart thar tomhas. An sud tha coithional mòr a nis le mòran iompachan. Tha àireamh mhòr do bhailtibh eile a dh’ fheudamaid ainmeachadh anns am bheil sgoilean agus eaglaisean Prothastanach air [TD 40] am fosgladh agus anns am bheil nithe iongantach ri tachairt. Ann an St Leger tha eaglais bheothail air éiridh a suas; agus air là na Sàbaid bidh an sluagh a’ tional gu lìonmhor a chluinntinn na cloinne a’ seinn laoidhean air na sràidibh. Tha e air òrduchadh do dhà shaighdear frithealadh air na coinneamhan so; agus mar so tha iad féin air an teagasg ann am fìrinn an t-soisgeil. Leanaidh so ni ’s mò ri ’n inntinn do bhrìgh agus gu ’m feum iad cinn agus brìgh na searmoin a chluinneas iad a thoirt an làthair a’ Phrefect, fear-riaghlaidh sìobhalta na dùthcha. Troimh na meadhonan so tha an soisgeul air a thoirt gu iomadh teaghlach. Bha aon bhean bhochd a bha air a bualadh sìos le doilghios air son bàs a’ fir a chuireadh gu bàs leis na Reubalaich (Commune); agus rùnaich i gu ’n togadh i a teaghlach ann an spiorad dioghaltais. Ach thàinig Dia dlù; agus tha a dachaidh a nis fuaimneach le laoidhibh aoibhneach na màthar agus a cloinne. A nis ’nuair tha gathan na gréine a’ toiseach’ air dealradh air an Fhraing ’s còir dhuinn ar comh-fhaireachduin a nochdadh. Chuir i-féin stad fuileachdach o cheann trì cheud bliadhna air an Ath-leasachadh ’n a crìochaibh; ach trì cheud bliadhna ’n a dhéigh sud thug a’ Ghearmailt di duais fhuileachdach ’n a lorg. An àm a h-éigin, a gearain, agus a h-aithreachais a nis nochdadhmaid di ar co-thruas le a cuideachadh a thogail nan làmhan a tha air tuiteam sìos agus nan glùinean laga. BLAR BHALACLABHA. Is ann do ’n chreideadh Mhahomedach a tha na Turcaich; ach tha beagan do Chriosdaidhean Greugach ’n am measg. Ghearain na Criosdaidhean Greugach nach robh iad a’ faotainn saorsa gu leòir o’n Turcach; ghabh Nicolas, impire Russia, am pàirt do brìgh gur h-esan ceann na h-Eaglais Ghreugaich. Mar so dh’ éirich troimh-chéile eadar an Tuirc agus Russia. Dh’fheuch an Fhraing agus Breatunn ri còrdadh a dheanamh eatorra; ach cha deachaidh leo. An sin anns a’ bhliadhna 1853 thug Russia ionnsuidh air an Tuirc le armailt mhòir. Cha’n fhuilingeadh rìoghachdan na h-Aird’-an-Iar gu ’m faigheadh Russia greim air tuilleadh de’n Eòrpa tre thuiteam an Turcaich; agus ged nach robh gràdh ’sam bith aca do’n Turcach féin—an “Duine Tinn” mar a chanadh iad ris—gidheadh b’fheàrr leo a chumail suas na gu’m faigheadh an Russiach sealbh air àite, ni air an robh an Russiach an déigh mhòir. Mar so ghabh an Fhraing agus Breatunn pàirt an “Duine Thinn,” an Turcach; agus chuir iad armailtean le chéile do’n Chrimea taobh na Fairge Duibhe ann an crìochaibh Russia. Mar so thòisich Cogadh Russia; agus euchdan ar luchd-dùthcha aig Balaclabha, Alma, Inkermann agus aig Séisd Sebhastopol bidh air an tasgaidh le uaill ann an cuimhne agus ann an eachdraidh ar cinnich. Bheir sinn geàrr-chunntas air Blàr Bhalaclabha. Tha na marcaichean a bha leantuinn nan Turcach air an làimh dheis a’ tighinn a nìos gus an uchdaich fodhainn a tha a’ cumail nam marcaichean againne á sealladh. Tha an Heavy Brigade air an tarruing a mach air thoiseach againne ’nan dà shreath. Tha a’ cheud sreath air a [TD 41] deanamh suas do na Scots Greys agus do na Enniskillen Dragoons. Tha an dara sreath air a deanamh do na 4th Royal Irish, do na 5th Dragoon Guards, agus do na 1st Royal Dragoons. Tha an Light Cavalry Brigade air an làimh eile ’nan dà shreath mar an ceudna. Bha na Gàidheil 93d ’n an dá shreath mar chàch. Bha na h-eich Russiach a ’tighinn air an aghaidh. [Dealbh] PORT BHALACLABHA. Tha na h-uile mu’n cuairt ann an tosd uamhasach; agus eadar farum nan gunna mòra cluinnear snagarsaich iarrunbeòil nan each agus gliongarsaich nan lannan anns a’ ghleann fodha. Ghabh na Russaich air an làimh chlì anail car mionaid, agus an sin ’n an aon sreath ghreadnaich thug iad ’n an neart gus na Gàidheil. Tha an talamh a’ ruith air falbh [TD 42] o bhonn cos an cuid each; a’ fàs ni ’s luaithe aig gach leum, tha iad a’ bualadh gus na Gàidheil a bha ’nan sreath thana dheirg le barran stàilinn os an cinn. ’Nuair a tha an nàmhaid ochd ceud slat ás tha na Turcaich a’ losgadh agus a’ teicheadh. ’Nuair thàinig na Russaich an taobh a steach do shè ceud slat, chithear stàilinn nan Gàidheal a’ dol sìos agus brùchd losgaidh á ’n “cuilbheirean cinnteach.” Ach tha an t-astar fad ás; cha do chuir sud grabadh air na Russaich, tha iad fathast dian air an aghaidh troimh ’n cheò ’nan làn neart; chì thu an sid agus an so air an tilgeadh thairis eich is daoine o’n d’thug na gunna mòra againne os an ceann neart an cas. Tha gach aon a’ feitheamh le ’anail ’na uchd briseadh na tuinn Russaich ud air faobhar carraig na Gàilig; ach mu’m bheil iad an taobh a steach do dhà cheud gu leth slat tha brùchd bàsmhor eile a’ ruith mar dhealanach o làmhach nan Gàidheal, agus a’ giùlan oillt agus bàs am measg nan Russiach. Chuir na Russaich car dhiubh; agus theich iad air an ais ni bu luaithe na thàinig iad. “A laoch a Ghàidheil! fhuair iad e!” dh’éigh na h-uile bha mu’n cuairt. Cha b’ fhiach leis na Gàidheil an cruth atharrachadh a choinneachadh na tuinn each a bha tighinn ’nan coinneamh. “Cha b’ fhiach,” thuirt an Sàr Cailein Caimbeul,” cha b’ fhiach dhomh an t-saothair a’n cur ’nan sreath ceitheir air doimhne!” Bu leòir an t-sreath Bhreatunnach dithis air doimhne a chumail air falbh ionnsaidh gharbh nan fear-each Russach ud. An déigh sud thòisich am blàr ris na Réisimeidean eile a dh’ ainmich sin a rinn euchdan do-aithris am measg lìonmhoireachd nan Russiach gus an do choisneadh a’ bhuaidh fa-dheòidh. Tha sinn a’ toirt nan rann a leanus á bàrdachd Uilleim ’Ic Dhùnléibhe. Choisinn a Dhàn air euchdaibh nan Gàidheal a’ cheud gheall. Mar bhàrd cha ’n ’eil ach gann coimeas da ann an déine, an giorra agus ann an greimealas cainnte. Na Ruissainich air mullach Alma Cogach, deacair, beachdail, dalma; ’Nan sreathan, coisichean, ’s marcaich, An rian còraig air an uchdaich Na naimhdean shuas. An creachan dìlionn Fhuair na Gàidheil òrdugh dìreadh; O bhearradh nan liath chreag carrach, Thaomadh fras nan sgrios ’nam broilleach; Am builsgein dubh-neoìl a’ chasgraidh Leum na h-àrmuinn gun ghealtachd. Bheuc an Leòghan, “Buaidh a dh’ain ’eoin;” Tharruing sliochd nan Fiann an lannan; Mar thuil Chluaidh chuisleach le gleann, Luath’s mire sruth airgeid Eas-Linn, B’ ionnan sud braise nan sonn A’ maomadh do ’n àrfhaich ’n an deann! Fo’n t sròl ghreadhnach nach do chìosnaich nàmh Is aosmhor cliù ’s i ùr mar bha— Le lannan leathan nan ceann aisneach Dh’ fhàg sibh creuchdan, sgrios, is osnaich: [TD 43] Euchdan nan curaidh gun smal D’an dùthaich tìr nam beann ’s nan tuil. O àirde chreagaich nam bac Chuir sibh ruaig air feachd an t-sneachd! Chrithnich iad le oillt roimh sgraing An Leòghain deirg ’n uair chrath e mhuing, ’Gan sgànradh le bruthach gun taing:— Bu gharg a shrachd e ’m being ’s an cuing;— Gnìomh o’r cuimhne nach sgarar Fhad ’s a mhaireas cuan is talamh. BALACLABHA. Le gleadhraich arm is torrunn làmhach Air learga chiar Bhalaclàbha, Chunnaic mi spairte ri crann Iolair spùllach an dà chinn; Feithid ifrinn gun chlos, A’ reubadh creiche tuath is deas: Mìltean a’ freagairt d’a smachd,— Foill, ’s fuil, is àr ’nam beachd; Dùdach nan ràn searbh a’ beuchdaich; Steudan còraig a’ leumnaich; Buidheann bhorb nan cochull lachduinn ’Nan sreathan dlùth air an leachduinn. Ghluais iad o àird an fhuinn ’Nam beinge thruim gu làr a’ ghlinn; Lannan reubaidh anns gach glaic, ’S am facal còraig “Bàs gun iochd.” NA GAIDHEIL. Chunnaic mi air lom na faiche, ’S an earradh fliuch le braon na moiche, ’Nan staing dhion ’s a’ bhealach chumhan Fir dhìreach ard nam broilleach leathan. . . . . . . Bhrùchd am marc-shluagh an coinneamh Nan Gàidheal ’n an cois ’s iad annamh; Deich mu ’n aon air an aodann ’S gun chùl-taic ach gleachd ’n an aonar; Cliù nach teirig do na gaisgich;— Mar lasair dheirg á àmhuinn loisgich, O fheadain ghorm nan cuilbheir cinnteach Chunnaic mi na caoirean teinnteach; An gleann ’na bhuidealaich strianaich Mar bhruaillein doireann ’s an iarmailt; Na dealain-ghòbhlach a’ spùtadh A bolg neòil nam fillean dùbhlaidh; Cuimhneachan buaidh is gàbhaidh Air Albainn ghaoil ’s air clannaibh Ghàidheal. . . . Fo iùil a’ Cheannaird do-chìosnaicht’, Cailein Caimbeul Mac an Ilich. ’S cian sgaoilteach do chliù an nochd A làmh dheas nam mìltean feachd. Ghrios mi FIONN le Mac an Luin [TD 44] A bhi ri d’ thaobh an gaoir nan guinn; ’N uair bhuail thu ’m builsgein a’ ghàbhaidh Sheas thu ’d’ chliù do t’ainm, ’s do d’ Bhanrigh’n; Sheas thu ’t’ uamhas do d’ nàmhaid; Thug tha buaidh is sguab thu ’n àrfhaich. AN IOMHAIGH GHLORMHOR. Chruthaich Dia an duine dìreach ach fhuair e mach mòran ìnnleachd—ìnnleachdan a rugadh le màthair gach uilc, eas-ùmhlachd an aghaidh ceart riaghladh an Tì a ’s Airde. An eas-ùmhlachd so thàinig a mach á leasraidh bhreun nam pàrantan dàimheil ud—Satan agus am Peacadh, dhà a chaidh an co-bhoinn—a dh’ iadh làmh mu làimh—a thoirt air an duine briseadh air falbh o Dhia. Mar so thachair tuiteam an Duine. Thuit e-féin agus a shliochd gu h-iomlan o àirde neochiontais is naomhachd gu doimhneachd peacaidh is truaighe. Bu mhòr an Tuiteam! Mu dhéibhinn thubhairt Dia, “O Dhuine, SGRIOS thu thu-féin!” ach le truacantachd iongantaich, do bhrìgh agus gu’n dean e tròcair air an tì a ’s àill leis, chuir E mar an ceudna A rùn sìorraidh gràidh is gràis an céill, “ach ANNAMSA tha do chobhhair!” So agad, ma ta, O anam, dà chloich stéidh a’ chreidimh shlàinteil, gu’n do THUIT AN DUINE, agus gu’n AISIGEAR e troimh ar TIGHEARN IOSA CRIOSD. B’i cliù shònruichte an duine gu ’n do chruthaich Dia e ’na ìomhaigh féin. ’N uair a thuit e do shlochd a’ pheacaidh bhris an ìomhaigh so ’na mìribh, agus cha’n fhaicteadh i ni ’s mò ann an làthaich a’ pheacaidh. ’Si obair Chriosd mar Shlànuighear an ìomhaigh so a shlànuchadh ann an anam an duine—na mìrean a thàthadh r’a chéile tre obair an naomhachaidh; agus an sin a taisbeanadh coimhlionta gun chron gun smal an làthair sòlasach an Athar. Air an làimh eile ’s i obair an Diabhuill le fheachd sgriosail cur ás do ’n ìomhaigh so ann an anam an duine. Agus chum na crìche so tha e dealbh agus a’ gabhail gach ìnnleachd a ’s urrainn a mhac-meamna ifrinneil a bhreithneachadh. Tha mòran do’n chinne-daonna ann an staid nàduir a’ toirt da mar ìobairt chum na crìche ceudna cha ’n e mhàin am buadhan inntinneil ach am buill chorporra. ’Si an eiseimpleir a ’s truaighe a gheibhear air so am measg dhaoine, malairt na misg—malairt na dibhe làidir. Tha daoine gabhail tlachd innte do bhrìgh agus gu’m bheil i deanamh obair a’ pheacaidh air dòigh cho greadhnach—le a leithid do sgoinn, agus cho éifeachdach. ’Se a rùn agus a gné bàs a thoirt air ìomhaigh bheò reusonta Dhia anns an anam; mar so droch spiorad cuthaich a dheanamh do’n duine. Air da so a bhi fìor, soilleir, do-àicheadh ann ad fhéin-fhiosrachadh féin agus ann am féin-fhiosrachadh do chompanach ciod e do dhleasannas, O charaid, mu’n chùis? Seall oirre ’na gné agus ’na toraidhibh, agus sin ann am fradharc doimhne agus farsuinneachd lagh Dhé air a thuigsinn ’na spioradalachd agus cuir sgeul air na chì agus na chluinneas tu ’na lorg: Toraidhean a’ pheacaidh—gearan, caoidh, bàsraich is osnaidh anns gach àite! [TD 45] Uime sin, air sgàth maith aimsireil, spioradail, agus sìorruidh t’anama féin—air sgàth maith do cho-chreutair—air sgàth leas na muinntir ud a tha ann an dlù dhàimh dhuit, co-dhiù a’s piuthar, bràthair, athair no màthair, no iadsan a thàinig a mach á t’innibh a tha ann—air sgàth soirbheachadh modhannail agus maith spioradail na rìoghahd d’am buin thu—air sgàth fìrinn soisgeul na slàinte agus glòir onorach ainm naomh Iehòbhah,—tha mi sparradh air do choguis, O anam, do dhleasannas a thaobh an uilc sgriosail so. Cia fhad a dh’ fhanas tu ag argumaideachadh mu’n chùis ’nuair tha ceudan mìle do d’ cho-chreutairibh gach bliadhna aìr an sìneadh ann an uaighean misg? Cia fhad a leanas tu ri cainnt dhìomhain mu nàdur ’s mu neart do nàmhaid mortail ’nuair tha do chàirdean, do luchd-eòlais, do luchd-dùthcha, agus do theaghlach air an caitheamh sìos—air an losgadh leis an teine ud a chaidh fhadadh ann an ifrinn? Cia fhad a chithear thu a’ deanamh bràithreachais, O amadain! riù-san a sheasas ri d’ thaobh a shàthadh gath a’ bhàis ann ad chridhe, neo-mhothachail ’s mar a dh’ fheudas iad-féin a bhi air an gnìomh? Riù-san a tha ’nan cùirtibh dorchadais a’ toirt do d’ bhràthair baoghalta cup a’ phuinnseinn ud a tha cùbhraidh le fàileadh mealltach a’ bhàis? Cia fhad a dh’ fhanas sibh ’n ’ur tosd, O sibhse, aig am bheil beòthas nan gràs air bhur siubhal, ’n uair a chì sibh an nàmhaid a’ deanamh abalach thruagha do luchd-aideachaidh—’s e toirt sgannal air an eaglais—agus a’ toirt toibheum do ’n ainm naomh sin air am bheil sibh air bhur n-ainmeachadh? Cia fhad a chithear ministeirean an t-soisgeil a’ deanamh cleamhnais aindiadhaidh ri cumhachdan bàsmhor na misg? a’ toirt misnich dhoibhsan aig am bheil an làmhan dearg le fuil an co-chreutairean? a tha a’ lìonadh ar tìre agus ar dachaidhean le troimh a chéile, le deòir, le osnaidh, agus le bròn? Cò agaibh, mo Luchd-dùthcha, nach d’ fhuiling ni ’s mò na ’s aithne dhuibh, troimh phuinnseann bàsmhor Bheliail ann an cupan na misg? C’ àite am bheil t’ fhéin-mheas agus do dhuinealas modhannail, ’n uair a bhios tu a’ d’ fhear-comuinn agus a’ d’ chompanach dhoibhsan a chuir daorach bàis air do charaid gràdhach a thuit troimh phlub bàthaidh do ’n t-sìorruidheàchd fo bhuaidh misg a nochdadh féin aig cathair breathanais Iehòbhah? Nach lìonmhor iad aig am bheil a’ chrìoch uamhasach so! Am bheil gràdh agad do d’ theaghlach, do d’ shliochd, agus do d’ chompanaich, c’ àit,’ ma ta, am bheil do dhìchioll a dhùnadh nan slochd ud anns am faod muinntir do ghràidh tuiteam? C’ arson a bhiodh bàigh agad ris na tuill mhi-naomh ud far am faighear fuil do chompanach agus i ag éigheach suas o’n talamh, cosmhuil ri fuil Abeil, ri Dia nèimh air son dìoghaltais air luchd an àir mhòir? So a’ chnuimh bhásmhor a tha ’g òl fola beatha ar rìoghachd, ar n-eaglais agus ar teaghlaichean. Eireadh, uime sin, gach neach aig am bheil gràdh d’ a anam, agus do ghlòir Dhia—éireadh iad o’n phràmh mi-chùraim anns am bheil no ’n robh iad, agus, mar luchd-aoraidh an Dé bheò, aig am bheil spéis d’ A shàbaid, d’A shoisgeul, agus d’A ìomhaigh ghlòrmhor air anmaibh a chreutairibh reusonta,—éireadh iad gu h-aon-sgeulach, aon-rùnach, agus le sàil lagh ceartais bruthadh iad ceann na cnuimh ud gu bàs! IAR-EILEANACH. [TD 46] OILEANACHADH RIAGHAILTEACH ANN AM BUNTAINN CAOIMHNEIL RI AINMHIDHEAN. EAD. LEIS AN URR. T. MACLACHLAINN, LL.D. Bithidh cùram aig an duine ionraic de bheatha ’ainmhidh. (GNATH. XII. 10.) Tha na litrichean a leanas air an craobhsgaoileadh anns an dòchas gu’n cuidich iad ann am bhi a’ seoladh dhaoine chum a bhi ag àrach caoimhneis ann am buntainn ri ainmhidhean, agus mothachadh na’s soilleire air an fheum a th’ annta do dhaoinibh, na bha air fhaotainn roimhe so ann an oileanachadh na h-òige. Tha mi ’gabhail orm gu h-àraidh a bhi ’seoladh aire luchd-riaghlaidh Sgoilean, agus Mheadhonan chum craobhsgaoileadh an t-soisgeil, Thighean-eirichdeis airson cloinne bhochd, Thighean-oileanachaidh, agus gach uile neach aig am bheil làmh ri obair ionnsachaidh na h-òige; agus chathaichinn orra gu dùrachdach, gu’n deanadh iad aithnichte, no gun gabhadh iad rathad air eòlas fhaighinn, air na dòighean a th’ air an cleachdadh, agus gu’n tugadh iad seachad am beachd féin, mu theagasg riaghailteach anns an ni tha so. Dh’fhaodadh an ni a th’ air a dheanamh le aon mhaighistirsgoil Frangach ann an Algiers, bhi air a dheanamh ann an iomadh oisinn agus baile ’n ar tìr féin. Agus nam bitheadh e air innseadh agus air a chur an ceill gu follaiseach, mar a rinneadh ann an litir M. de Sailly a dh’ ionnsuidh a Chomuinn ann an Algiers chum Ainmhidhean a dhion o ainiochd, dh’ fhaodadh e mòran maith a dheanamh ann an daoine eile a theagasg. Chuala mi gu’n d’rinn Luchd-riaghlaidh na Frainge lagh ùr chum eunlaith a dhion, a chionn ’s gun robh na h-achaidhean arbhar air am milleadh le meanbh-bheathaichean a b’àbhaisd bhi air an itheadh leo. Shaoil leamsa air an aobhar sin gu’m faodadh aire na h-òige ann an sgoilean dhùthchasach na Frainge bhi air a tharruing a dh’ ionnsuidh cor ainmhidhean ann am bichiontas, agus gu’ m faodadh teagasg, a réir dòigh Mh. de Sailly, bhi air a chleachdadh ann an cuid dhiubh. Tha mi a nis a’ sealltuinn airson fios fhaighinn air a’ phuinnc so, agus air an dòigh theagaisg a th’ aca. Bithidh mi toileach na chluinneas mi innseadh do neach air bith aig am bheil toil do’n aobhar, agus tha e ceadaichte dhomh a ràdh gu bheil Rev. HENRY BAKER, Ministeir Sgoil-oileanachaidh Whitelands, 7 St Leonard’s Terrace, Chelsea, Lunnun, toileach air fios fhaotainn air mo shonsa o neach air bith a tha ag iarraidh eòlais air na puinncibh ris an do bhean mi ’s na litrichean so. ANGELA G. BURDETT COUTTS. Duineidin, 18mh Octr., 1869. DO FHEAR-DEASACHAIDH AN ‘TIMES.’ A CHARAID,—Is e mo dhòchas gu’n dean sgriobhadh agus clo-bhualadh litrichean leatsa daoine a threòrachadh gu atharrachadh air an dòigh ’s am bheil ainmhidhean air an càramh gu maslach leosan a tha ’g an toirt a steach do ’n tìr. Tha e soilleir nach abair an dream a tha timchioll do ’n ghnothuch aon fhocal, agus tha sin fhéin ’na fhianuis. Is airidh Mr Forster air cliù airson an lagha ’thuge a stigh o chionn ghoirid, a thaobh giùlan ainmhidhean air na rathaidibh iaruinn, agus buinidh Ceann-suidhe Bord na Mar- [TD 47] santachd do Chomunn a tha cho aithnichte air feadh an t-saoghail airson a bhi ’tagradh còir chreatuirean balbha Dhé, ’us nach eil teagamh ann gu’n toir e sùil gun dàil air cor maslach obair a tha ’dol air adhart, ris am bheil daimh, a reir mo bharailse. aig luchd-riaghlaidh na rioghachd. Tha aobhar mar sin air a bhi ’creidsinn gu’n gabh a’ Pharlamaid gnothuch ris a’ chùis air an ath bhlìadhna. Tha a’ mhuinntir a tha ’sgriobhadh thugad a leigeadh ris a leithid a dh’ ainiochd anns a chàramh uamhasach a th’ air feudail a tha air an toirt a stigh do ’n tìr o thìribh chéin, gu ’m feum buntuinn gramail bhi ris a chùis. Tha mise ’g a mheas ’n a dhleasdanas air an aobhar sin a bhi ’cathachadh air muinntir na tìr a bhi a’ teagasg do gach seòrsa ’n ar measg, gu’m buineadh do ainmhidhean càramh caoimhneil fhaotainn o dhaoinibh, agus eòlas air an dòigh ’s an gabh sin a nochdadh do chreutairean a tha ’nam beathachadh agus ’n an goireas mòr dhuinn ’s a bheatha so. Cha-n fhad o fhuair sinn rabhadh leis a’ phlàigh a bhris a mach am measg ar feudalach. Na ’n do lean e sud, dheanadh milleadh a’ chruidh fhéìn ar fagail gun bhainne, gun ìm, gun chàise, gun mhairtfheoìl, gun laoìghfheoil. Ged a tha an eucail ud nis air teicheadh uainn, tha eucail ghoirt eile air tighinn air ar crodh ’us ar caoraich—eucail o tha ’fagail bainne ar cruidh gun feum, fhad ’s a tha e orra. Cha dean cùram dion ’n a aghaidh. Is aithne dhomh sin o’m fhiosrachadh féin. Cha leor eòlas, ’us caoimhneas, ’us gloine, chum a chumail air falbh; agus o nach gabh briseadh a dheanamh air lagh Dhé air taobh ceartais, no tròcair, no firinn, gun pheanas a leantuinn, cha ’n fhaic mise carson nach fhaodadh an eucail ud ruighinn air daoinibh fhéin o na h-ainmhidhean, agus an fhuil againn a thruailleàdh—agus sin mar thoradh air an fhulangas aig ceudan agus miltean de bheathaichean truagha, a dh’ fhaodas bhi air an àireamh mar na creutairean a ’s dìblidh anmhunn, neochomasach air iad fhéin a dhion, eadhon an uair a bhrosnaichear iad gus a cheum a ’s fhaide, ach aig am bheil an anail agus am fuil làn fiabhruis air an giùlan air na cosaibh leònta aca, agus leanntain an corp làn galair air a chraobsgaoileadh (their cuid le meanbh-bheathaichean), a dh’ ionnsuidh nan achaidhean agus nan raointean againn. Tha sinn a’ codhùnadh o na nithibh so gu ’m buineadh do ’n òige anns na sgoilibh bhi air an teagasg ciod e dleasdanas dhaoine do na h-ainmhidhean. Chathaich Mr Angell, duine uasal o America, a rinn mòran airson an aobhair ’n a dhùthaich féin, ormsa oidheirp a thoirt air Comunn a chur suas cosmhuil ris a’ Chomunn a chuireadh suas an am Massachusetts fo ainm ‘Comunn Truasail nam Baintighearn.’ Gheall mi gu’n deanainn na dh’ fhaodainn ’s an aon dòigh ’s an gabhadh e deanamh leam—troimh theagasg ’s na sgoilibh dùthchasach. Ach o na chaidh olc mòr a dheanamh aithnichte leatsa, tha mi a’ meas gur e a ’s fearr dhomh anns a’ phaipeir agadsa, chum mo ghealladh do Mhr. Angell a choimhead, a chur an amharc uile luchd-riaghlaidh agus luchd-teagaisg sgoilean, cia b’e an inbhe, Ceann-suidhe Buidheann Comhairle na Rioghachd chum oileanachadh na h-òige, agus Bord a’ Chomuinn Dhùthchasaich airson Sgoilean a shuidheachadh, gu’m bu chòir do dhòigh bhi air a ghabhail air a theagasg, gu ponngail, do’n òige, an dleasdanas ann an iochd a nochdadh [TD 48] do ainmhidhean, agus eòlas a thoirt doibh air an dealbh, an càramh bhuineadh dhoibh fhaotainn, agus an luach do’n chinne-dhaoine. Cha-n urrainn mi codhùnadh a dheanamh air an oidheirp bhochd so, mar tha mi a’ meas, air a chùis so a thagradh, gun a ràdh gur iongantach leam nach ’eil an Comunn chum ainmhidhean a dhion o ainiochd a’ leantuinn leis an lagh a’ mhuinntir tha ’g a bhriseadh leis an dòigh anns am bheil feudail o thìribh chéin air an toirt gu tìr ann am Breatunn. Cha-n fhaod a bhi nach ’eil iad sud fo dhion lagh Shasuinn cho luath ’s a ruigeas iad i, agus nach ’eil a’ mhuinntir a bhriseas an lagh ud buailteach do pheanas.*—Is mise, gu dileas, ANGELA G. BURDETT COUTTS. * O sgriobhadh sud, bha litir anns an ‘Times’ ag innseadh gu’n robh cuid diubh sud air an leantuinn leis an lagh fo impidh a’ Chomuinn, airson an droch dheanadais ud. FIOS COITCHEANN. Tha an t-Ur. Eòghan MacLachuinn ’s an Tairbeirt air gairm fhaotainn do Ard-Chattan. Rinn Mr MacLachuinn saothair mhòr ann an aobhar na Stuaim anns an Tairbeirt far an robh mòran òil a’ dol air aghaidh am measg nan iasgairean. Chaidh a’ Phàrlamaid a chur fa sgaoil agus buill ùr a thaghadh ás gach ceàrn a dheanamh suas té eile. A thaobh a’ Chogaidh an Africa cha ’n fhada gus an cluinn sinn na Breatunnaich a bhi aig baile mòr Ashantee air dhoibh rathad a dheanamh troimh ’n choille. Ràinig iad an déigh cùig latha cruaidh chath. Tha e air aithris le cinnte an dràsd gu ’n do bhàsaich an t-Olla Livingstone, am Missionary ainmeil a bh’ ann am meadhon Africa. Phòs dara mac na Banrigh aon nighean impire Russia: bha banais ghreadhnach ann. Phòsadh iad an toiseach leis an Easbuig Ghreugach agus ’n a dhéigh sud le ministeir Prothastanach. Tha coslas air a’ ghort anns na h-Innsibh nach bi i idir cho cruaidh. Bhàsaich an dara fear-lagh a ’s ainmeile a tha am Breatunn, an Sàr Onorach Donnachadh MacNéill, Tighearna Cholasa. NA SOISGEULAICH MOODY IS SANKEY.—Tha ’n dithis dhaoine so an dràsd ag obair gu saoithreachail, riaghailteach agus dùrachdach ann an Glaschu. Tha gach talla is eaglais ’s am bi iad troimh ’n là is feasgar, air Sàbaid agus air seachduin làn gus na dorsaibh. Tha Sankey le cuideachadh an orgain a’ seinn nan laoidhean; tha Moody an sin ag éirigh agus a’ toirt seachad searmoin sgiobalta, ghoirid ann an briathraibh geura, so-thuigsinn agus rannsachail. Tha laoidh no dhà an sin air an seinn, agus sparradh air a thoirt do gach creutair air an do dhrùigh an t-seirbheis agus a tha fo chùram anma fuireachd air dheireadh ’nuair a sgaoileas an coithional. Tha nis na dorsan air an druideadh agus air do ùrnuighean uaigneach agus follaiseach a bhi air an cur suas fad beagan mhionaidean tha laoidh eile air a seinn agus cuireadh càirdeil air a thoirt do gach neach ciùirrteach, iomagaineach dol a cho-labhairt ris na soisgeulaich. [TD 49] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 4.] Giblein, 1874. [LEABH. II. [Dealbh] BEINN SHINAI. The Sasunnach an dràsd ann an tìr Phalestine, ris an abairteadh Canaan o shean, a tha cumail a mach gu ’n d’ fhuair esan an ceart àite [TD 50] mu Bheinn Shinai anns an d’ thugadh seachad an lagh. Fhuair e sgrìobhadh air na creagan a rinneadh tha e smuaineachadh leis na h-Israelich. Cha ’n’ eil dearbhadh fathast co dhiù a tha e ceart no nach ’eil. Ach roimhe so bha àite no dha air an cumail a mach mar an t-àite anns do labhair Dia ris h-Israelich o ’n Bheinn. Cha robh luchd-turuis a bha rannsachadh a’ còrdadh mu aon àite. Mar so cha ’n urrainnear a ràdh le cinnte fathast co do na h-àitibh an t-ionad ceart. Tha dhà no trì do bheanntaibh àrda timchioll air an aon cheàrn ris an canar Sinai. Tha Jebel Serbal—Beinn Mirr—ann a tha fagus do sheachd mìle troidh (1659) air àirde; a réir seann bheul-aithris ’si so Beinn Shinai. Tha Jebel Mousa—Beinn Mhaois—ann a tha seachd mìle gu leth troidh (7564) air àirde; tha mòran a’ cumail a nach an diugh gur h-i so Sinai cheart. Tha té eile ann—Jebel Katerin—a tha fagus do naoi mìle troidh (8705) air àirde; mar an ceudna Um-Shomer, ochd mìle, ochd ceud gu leth troidh. ’Siad beanntan mòr greadhnach a tha an so air fad a dhùisgeadh uamhunn ann an cridhe neach air bith a’ cluinntinn “Guth nam Briathar.” Cha ’n ’eil teagamh nach iad so beanntan a chunnaic na h-Israelich; agus tha a’ bharail a’s làidire a’ cumail a mach gur h-i Jebel Mousa—a’ ciallachdh Beinn Mhaois—a’ Bheinn o’n do labhair Iehobhah; agur gur h-e am fosgladh ris an abrar Sebayeh foipe an còmhnard air an robh feachd nan Israeleach le ’n cloinn, agus an treud a’ campachadh. Tha Sinai lom gun fàs ’sam bith; a coslas mar gu ’m biodh i air a deanadh suas do stuth dearg loisgeach a chì thu dealradh mar lasair fo dheàrrsadh na gréine ’s an fheasgar. Ghineadh an sealladh geilt is oillt ann an cridhe neach ’sam bith. So an sliabh mu ’n do labhair an t-Abstol: “Oir cha d’ thàinig sibh chum an t-sleibh ris am feudtadh beanntuinn, agus a bha losgadh le teine, no chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn, agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnus gu ’n do ghuidh an dream a chual e, nach labhairteadh am focal riu tuilleadh.” “Bu co uamhasach an sealladh as gu ’n dubhairt Maois, Tha eagal ro mhòr agus crith orm.” “CUIRIBH UMAIBH AN TIGHEARN IOSA CRIOSD.” Ròmh. Caib. xii., 14; Sailm, cxxxii., 7-10, 15-18; xlv., 13-17. DH’ fhalbh là an neochiontais, a’ ghràidh, agus a’ cho-chomuinn ris an AON SHÌORRUIDH. Chaidh Grian an eòlais naoimh fodha,—dh’ fholaich si i-féin,—’n uair a chrom ar ceud sìnnsre sìos a thoirt aoraidh do Chumhachd na Bréige. Thàinig oidhche a’ pheacaidh; thuit dorchadas na truaighe; ghlac suain na dìchuimhn’ anam an duine; agus sgaoil tiugh sgàilean a’ bhàis spioradail air teaghlach a’ chinne-dhaonna. Chuir an duine dheth éideadh an t-soluis; chuir e ás coinneal na naomhachd a bha ’na anam; agus chuir e mach á seòmar a chridhe an t-AOIDH GLÒRMHOR ud,—AOSDA NAN LAITHEAN a b’e ’ATHAIR féin,—aig an aon àm a’ leigeadh a steach Prionnsa an Dorchadais, agus a’ toirt da riaghladh a thighe. An sud ghabh an t-anam fois. Chuir e dheth trusgan na fìreantachd; agus lomnochd, rùisgte, gun snàthain do ’n obair ghréis nèamhuidh mu cholainn, tha e ’ga shìneadh féin air leabaidh thiamhaidh a’ bhàis [TD 51] spioradail far nach fhaigh e a chòmhdach no chumail blàthais air a leasraidh ach plaideachan salach luideagach na féin-fhìreantachd. Chuir e coinneal an eòlais naoimh ás; ach a bhàrr air sin tharruing an codal dall ud còmhdach a nuas air sùilibh an anma chum agus nach tigeadh solus o’n taobh a mach a steach a chur dragha air a’ chodalaiche shuaimhneach. Ach cha robh tur fhois a steach. Ann an codal nàdurra faodaidh neach a bhi ’n a shuain ’n uair a tha an inntinn agus am mas-meamna ri dian obair. Ann an seòmar anam an duine fhuair Athair na Bréige sealbh; agus far am bi a’ bhreug bidh buaireas. Cha robh fois a steach. Air sràidibh an anma gheibh thu tromh-a-chéile, mionnan, toibheum, misg, ruidhteireachd agus sgàrnaidh mhi-naomh. ’Na cheàrnaibh dorcha cluinnidh tu sgailean oillt, àir, is muirt. Agus air gach taobh dhiot cluinnear gearan deurach, bròn, is osnaidh, a’leantuinn an lorg lot na bàsraidh spioradail ud. Ach cha mhair an oidhche a ghnàth. Agus ’n uair tha dòmhlachd na h-oidhche dol seachad tha luchd-na-ruidhteireachd a’ tréigsinn follais nan sràidean. Tha teachd an là a’ cur sgàtha air gnùis na mi-nàire. Thàinig aon là; dhealraich aon Solus Glòrmhor; ’n uair a bhoillsg Grian an t-Soisgeil air mullaichibh ciara Bhetléheim mu na Buachaillibh a bha faire an treuda. Chuir Grian na Glòire so solus air lomnochd nan cumhachdan fineachail. Chunncas an sud cuirp mharbh, rùisgte, na h-Eiphit, Bhabiloin, na Gréige, is na Ròimhe. Air anmaibh sluagh Dhia—’fhìor Israel féin—dh’ éirich grian na slàinte so anns gach linn, a’ cur ruaige air dorchadas a’ pheacaidh. Mar so dhùisg iomadh ri teachd an là; dh’ éirich iad ri èiridh na Gréine; agus chuir iad umpa “armachd an t-soluis.” Mar so tha teachdaireachd againn an diugh ro fhreagarrach air ar cor: “Agus so, air dhuibh fios na h-aimsir a bhi agaibh, gur mithich dhuinn a nis mosgladh o chodal: oir a ta ar slàinte nis ni ’s faigse na ’n uair a chreid sinn. Tha cuid mhòr do ’n oidhche air dol seachad, tha an là am fagus: uime sin cuireamaid dhinn oibre an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t-soluis. Gluaiseamaid gu cubhaidh mar anns an là; cha ’n ann an ruidhteireachd agus am misg, no an seòmradaireachd agus am macnus, no an aisith agus am farmad. Ach cuiribh umaibh an Tighearna Isoa Crìosd, agus na deanaibh ullachadh air son na feòla, chum a h-ana-mianna a choimhlionadh.” I.—Thugamaid fainear anns a’ cheud aite, AN DUSGADH; II.—Anns an dara àite, CIOD A TH’AGAINN RI CHUR DHINN; III.—Anns an treas àite, CIOD A TH’AGAINN RI CHUR UMAINN; IV.—Anns a’ cheathramh àite, NADUR AN EIDIDH NUAIDH; V.—Agus anns a’ chuigeamh àite, NACH FHEUD AN FHEÒIL RIARACHADH FHAOTAINN. I.—An Dùsgadh. Tha mòran ’n ar measg a mhosgail; a thug oidheirp air dhoibh a thuigsinn gu ’n robh an là am fagus. Ghabh iad orra cruth muinntir a dhùisg; ach cha do chrath iad an cadal diubh fathast. Mar so tha na h-uile a chaidh a bhaisteadh ’n ar measg. Tha ainm aca bhi ’nan dùsgadh, ach gidheadh tha iad ’nan codal; agus tha doille na h-oidhche a’ fantuinn maille riu. Tha muinntir eile ann a dhùisg Iosa Féin an Righ, agus a ghairm e ’n [TD 52] àird à codal gu h-éifeachdach; ach air nach do dhealraich an là fathast; a tha, theagamh, uile làithean am beatha ag imeachd fo dhuibhre nan neul maidne. Tha muinntir eile ann a chunnaic fàire an là a’ briseadh a steach air dorchadas an anman; agus a mhothaich oidhche dheur, bhròn agus gleachd a’ teicheadh air falbh roimh ghnùis òirdheirc Grian na Fìreantachd ag éiridh air Betel an anma. Far am bheil am fìor dhùsgadh tha an t-anam air a ghairm gu h-éifeachdach leis an Rìgh Féin a bhuail aig an dorus agus a dh’ fheith le ’chiabhaibh fliuch le braonaibh na h-oidhche ag iarraidh a steach; agus a’ reusonachadh ris a’ chodalaiche: Is mithich dhuit a nis mosgladh o chodal; tha chuid mhòr do ’n oidhche air dol seachd, tha an là am fagus: Mosgail, thusa a tha a’ d’ chodal, agus éirich o na marbhaibh, agus bheir mise solus duit! Tha an t-anam air a dheanamh toileach; tha e ’g éiridh; thàinig aiseirigh bheò air; tha gin nuadh air a cur air a shiubhal; tha e air a bhreith a ris a mach á bolg an dorchadais agus a’ bhàis ga solus na maidne agus na beatha. Fhreagair e ghairm nèamhuidh; agus troimh ’n chruthachadh nuadh ud thugadh e steach ann an aonadh dìomhair rìs-san a’s e Prionnsa na Beatha! II.—Ciod a th’againn ri chur dhinn. Comh-cheangailte ris an Dùsgadh tha “na seann nithe” againn air fad ri chur dhinn. Feumaidh sinn an t-seann armachd leis an robh sinn a’ cathachadh an aghaidh Prionnsa na Sìth roimhe so a thilgeadh uainn. Feumaidh sinn oibre an dorchadais—ar féin-fhìreantachd—a chur dhinn, agus sinn féin a thaisbeanadh lomnochd aig cosaibh Caiptein ar Slàinte. Ann an là a chumhachd rinn E-féin sinn toileach airm ar n-àr-a-mach a thilgeadh gu làr; agus nochd E dhuinn cho salach, reubte, gràineil, agus breun ’sa bha ar luideagan féin. Falamh, lomnochd, uireasbhuidheach, agus fann mar an naoidhean ás a’ bhroinn, feumaidh tusa, O anam, gabhail ri Crìosd. Thug E-féin aiseirigh bheò ort; thug e mach thu á bolg na h-oidhche spioradail; thilg e dhiot cuibhreach Prionnsa an dorchadais; bhris e ceanglaichean a’ bhàis; chuir e mu sgaoil slabhraidhean daorsa a’ pheacaidh; agus leagh e naimhdeas do chridhe le a ghaol sìorruidh agus thug e thu steach ann an aonadh dìomhair ris féin. Ach thug so breisleach air an t-Seann Nàmh a bha thuige so a’ gleidheadh talla t’anma ann an sìth ’n uair a bha thus’ a’ d’ chodal; tha nàimhdean eucorach a muigh agus a stigh air tòìr ghéir air t’ anam bochd—air a’ ghin nuadh agus bheò a dhùisg thu mach ás an dorchadas. Tha thu nis ann an rìoghachd an t-soluis; fhuair thu “armachd an t-soluis,” a’ ghràidh, agus an eòlais, is chuir thu dhiot armachd an dorchadais. Feumaidh tu nis cathachadh an aghaidh nan naimhdean ud; gluasad gu cubhaidh “mar anns an là; cha ’n ann an ruidhteireachd agus am misg.” Feumaidh tu t’éideadh cogaidh a ghleidheadh glan, cosmhuil riù-san ann an Sàrdis a ghleidh an eudach glan. III.—Ciod a th’againn ri chur umainn. “Cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd.” “Oir a mheud agaibh sa’ bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.” “Agus gu ’n cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a tha air a chruthachadh a réir Dhé am fìreantachd agus am fìor-naomhachd.” “Chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a réir ìomhaigh an Tì a chruthaich e.” [TD 53] ’Se fìor-fhreumh na fìrinn—Crìosd a chur umainn—gu ’m bheil an t-anam a’ dol ’n a leithid a dhlù aonadh ris an Tighearna Iosa gus an E-féin an Ceann, a chithear, agus nach iadsan a tha air am faotainn ann. Tha am beatha air a folach ann-san. Is e an t-aonadh ud an tobar ás am bheil am beatha, an neart, an slàinte, agus gach beannachd dhiadhaidh a shealbhaicheas iad, a’ sruthadh. Feumaidh tusa, O anam ghràsmhòir, ionnsachadh Crìosd a chur umad air dòigh dha-fhìllte—le a eiseimpleir a ghabhail, agus thu-féin a cho-chumadh r’a ìomhaigh ghlòrmhoir. Feumaidh tu do chrann-ceusaidh a thogail agus esan a leantuinn. Feumaidh tu E-féin a leantuinn; cha ’n e deisciobul ciorramach, no bacach a dh’ ainmichear air-san;—cha ’n iad a’ mhuinntir a sheallas leis an dara sùil rathad rìoghachd an t-soluis ’nuair tha an té eile fathast ann an doille an dorchadais;—cha ’n iad sud a dheanamh an dara làmh geal le gloine na fìrinn, ach aig am bheil an té eile an sàs ann an salchar a’ pheacaidh;—cha ’n iad sud leis am bu mhiann an saoghal agus an fheòil a nasgadh ri beatha na diadhachd. Lean E-féin. Dh’ imich Esan air ceum a bhi deanamh na h-obair a thug an t-Athair da ri dheanamh. Lean thusa ’eiseimpleir-san; cathaich an aghaidh nan naimhdean; biodh gach ni a nì thu chum cliù glòir do Rìgh. Feumaidh tu mar an ceudna bhi air do chumadh r’ a ìomhaigh-san; feumaidh tu bhi cosmhuil ris ann an gné, an dealbh, an iarrtuis, agus ann an gràdh. Cha ’n fheud thu thu-féin a chumadh ris an t-saoghal aig am bheil naimhdeas do Chrìsod. Feumaidh tu cùl a chur r’a chleachdadh, r’a fhasan, agus r’a shòlas agus Crìosd a leantuinn. Feumaidh tu ann an aon fhocal a bhi dealaichte o’n t-saoghal do bhrìgh agus gu’m bheil do bheatha folaichte ann an Crìosd a chur an céill nach b’ann do’n t-saoghal a rìoghachd. IV.—Nàdur an Eididh Nuaidh. ’Nuair bha na seann nithe umad bha thu sgeadaichte ’san t-seann trusgan bhreun ud a bha thu a’ caitheamh agus thu ’san t-seann dàimh ri cùmhnanta nan gnìomh. Ach a nis tha thu ann an nuadh dhàimh fo chùmhnanta a’s feàrr; agus leis an dàimh ud fhuair thu éideadh nuadh. Bha an seann trusgan air ’fhigheadh do dhà sheòrsa snàth. B’e an dlùth aige do pheacadh gin; agus b’e an snàth-cuir do pheacaidhean gnìomha. Nach iomadh spàl a chuir thu air ais agus air aghaidh mu’n do chuir Dia stad ort! Nach truagh iadsan a leanas gus an crìochnaich iad an deise agus an tig naomhachd Dhia mach a’n losgadh suas le teine bithbhuan! Do’n mhuinntir a dhùisg Crìosd, agus dhe’n d’rinn e luchd-leanmhuinn, dh’ ullaich e-féin éideadh nuadh,—trusgan na fìreantachd shìorruidh ud a thug e-féin a steach. Ma dh’ fheudar a’ chainnt a chleachdadh, b’i an ùmhlachd choimhlionta a thug e do n lagh, dlùth na deise ud, ’n uair a b’iad ’fhulangais, an snàth-cuir; agus fhuair i a dath rìoghail ’na ’fhuil naoimh luachmhoir féin. Là cùirt gnìomh an fhìreanachaidh anns an anam, tha Crìsod a’ cur na deise glòrmhoir so mu ’n neach a dhùisg e gu h-éifeachdach a mach á staid codail nàduir. Chuir e-féin lùs naomh agus beò anns an anam; agus b’e an ceud ghnìomh a rinn an gin beò creidmheach ud làmh a’ chreidimh a shìneadh a dheanamh greim air an deise rìoghail agus an t-anam a chòmhdach leatha. Anns an deise so feudaidh an t-anam seasamh an làthair an Athar; agus cò ’s urrainn ni ’sam bith a [TD 54] chur ás leth neach taghta Dhé? Tha naomhachd agus ceartas riaraichte leis an deise ud. Tha i cho tiugh, cho slàn, cho coimhlionta, agus cho dealrach gus nach fhaic ach gann sùil Uil’-fhiosrachd féin beud troimpe. Oir cha toir Dia fainear euceart aim an Iacob, agus cha ’n fhaic e cealg ann an Israel. Tha an deise so air an taobh a muigh; ach troimpe ann an gnìomh na h-uchdmhacachd tha an t-anam air am bheil i a’ faotainn a steach ann an àireamh cloinne an Righ, agus a’ faotainn seilbh air gach dlighe a bhuineas dhoibhsan. Ann an obair an naomhachaidh tha deise òirdhearc eile air a h-oibreachadh air taobh a stigh an anma far am bheil treas Pearsa Glòrmhor na Trianaid a’ gabhail còmhnuidh mar a theampull. Tha i so air a figheadh leis an Spiorad Naomh agus leis-san a mhàin. ’Se a dlùth naomhachd mar a ta i ruigsinn air an anam troimh aonadh ri Crìosd; agus ’se an snàth-cuir na gràsan gu buaidh a thoirt air a’ pheacadh, no gu cobhair ann an àm feuma, a bhuilicheadh air an anam. Ma tha aonadh agad ri Crìosd, so, O anam, mar tha thu air t’éideadh a muigh agus a stigh le armachd an t-soluis,—fìreantachd Chrìosd a muigh agus naomhachadh an Spioraid a stigh. Na biodh nàire ort t’armachd a nochdadh do ’n t-saoghal gun Dia; cuiridh a shoillse ás do’n dorchadas mu’n cuairt diot. Ach fan ás na h-ionadaibh ud anns am bheil seirbhisich an Rìgh, ’n uair a gheibhear iad am measg ciùil, aighir, dannsa, is sòlais an t-saoghail,—anns am bheil iad a’ cur smal air an éideadh rìoghail ud a chosg na h-uiread do ’n Rìgh. V.—Nach fheud an Fheòil riarachadh fhaotainn. Na dean ullachadh air son na feòla chum a h-ana-mianna a choimhlionadh. O’n chaidh gné na diadhachd air siubhal t’anama, ceusar an fheòil. Na smuainich gu’m feud thu cleachdadh feòlmhor ’sam bith altrumas. Na meall thu-féin leis an dòchas gu’m feud thu leantuinn ris a’ pheacadh bheag so agus ris an fhear fhaoin ud eile, ged bhiodh iad cho beag ris a’ bhaile bheag a ghuidh Lot gu feòlmhor air Dia a chaomhnadh dha. Ah! nach do thuig thu fathast, O anam, gu’m bheil riarachadh na feòla a’ cur sal air éideadh an Rìgh a chuir thu umad? Nach do shil thu fathast deòir a’ bhròin dhiadhaidh os ceann an nàire agus an doilghios gus an do chuir thu Ceannard na Slàinte—’g a cheusadh ás ùr—le bhi salachadh an trusgain ud a choisinn esan le a bhàs air a’ chrann-cheusaidh? Na bi ’g ullachadh bìdh, ma ta, do ’n ana-miann, no a’ riarachadh na feòla, do bhrìgh agus gu’m bheil so a’ cur smal air do thrusgan, agus a’ cur Chrìosd gu nàire fhollaisich ás ùr. Ach a nis air do’n chuid mhòr do’n oidhche dol seachad, agus an là am fagus nach mithich do bhuill ar n-eaglaisean mosgladh á ’n suain chunnartaich agus briseadh an là dlùth a dhearbhas na h-uile nithe? Nach mithich dhoibh an sùgradh mi-naomh ris an t-saoghal a leigeil dìubh? oibre an dorchadais gu léir a chur diubh,—ruidhteireachd, misg, agus gach ni eu-cubhaidh, gach ni nach biodh cliùiteach dhoibhsan a dh’ imicheadh ’san là? Oir tha an là a’ tighinn, agus chì sinn e briseadh cheana, anns tig Crìosd a rìs, agus chì gach sùil e; agus mo thruaighe! iadsan a gheibhear ’n an codal, a dh’easbhuidh armachd an t-soluis, agus nach do chuir an Tighearna Iosa umpa a ’n dìon o’n fheirg! [TD 55] ARAN BRISTE. Tha roinnean ’nan tuill-fhùdair aig Sàtan ás am bheil e a’ spraidheadh suas na diadhachd. B’iad ceud shlighean Dhaibhidh a b’fheàr; gidheadh is ann annta a bu mhò a bha do ámhghar aige. Cha’n’eil ni ’sam bith a’s luachmhoire a ni beannachd na a toirt air falbh; ’n uair is e a fàgail againn a bu chòir a deanamh measail duinn. Is e iarrtus anam na h-ùrnuigh. Is i co-chumaidheachd o’n taobh a stigh ri gràs cleachdail agus ri naomhachd Chriosd rùn bunaiteach na beatha Criosduidh. Ni an diadhachd a ghnàth uisgeachan searbha Mharah milis agus fallan, ach cha ’n fheud sinn dùil a bhi againn gu ’n dean i fìon aig gach àm do dh’uisge, ged rinn i sud aon uair. Tha an fhéin-thoil cho dian is cho gnìomhach agus gu ’m briseadh i an saoghal ’na mhìrean a dheanamh stòil air an suidheadh i. ’N uair a chluinneas mi fear a bhris lagh na rìoghachd air a chàineadh, agus an sluagh ag ràdh, ‘O an droch dhuine; is airidh e air a bhinn;’ air mo shon féin cha’n urrainn mi clach a thilgeadh air, oir is aithne dhomh ma ’m fàgadh Dia mi dhomh féin, gu’n gnìomhaichinn uilc cho salach, agus mìle uair a bu mhiosa. BEAN MHÓR CHULA. Phòs Fear Chùla bana-Ghall aig nach robh tlachd ’sam bith do na Gàidheil bhochd leis an robh i air a cuartachadh. Gheibhear na Goill mar so gu tric ag altrumas naimhdeis do’n Ghàidheal gun aobhar ’sam bith ach gu’m bheil cànain aig a’ Ghàidheal nach urrainn esan a labhairt. ’Nuair fhuair Bean Mhòr Chùla, mar theirteadh rithe, riaghladh gach ni ’na làimh féin nochd i gu’n robh nàdur ro aingealta aice. Air son nach robh na daoine umhal gu leòir dise, baintighearna a’ bhaile, thòisich i air peanasachadh fear a lìon fir diubh. Cha ’n aithne domh an t-aobhar àraidh, ach bha an dòigh pheanais a ghabh i ro bhorb. Mu choinneamh Chùla bha sgeir a bhiodh ris ’nuair bhiodh an tràigh ann ach a bhiodh fo ’nuair thigeadh an làn. ’Se an dòigh pheanais a ghabh i am fear ris an robh a fearg a chur air an sgeir so ris an tràghadh, fhàgail ann gus an tigeadh an làn ’s an oidhche agus am bàthtar e. Mar so rinn i air aon an déigh aoin do mhòran do na daoinibh a bha air a fearann. Ach bha gille treun seòlta aice a thug an car ás a’ Bhean Mhòir bhéisdeil. ’Nuair thigeadh an oidhche bha esan a’ dol a mach le a bhàta beag agus a’ toirt nan daoine bhàrr na sgeire mu’n tigeadh am muir-làn agus a’ falbh a null a dh’ Eirinn leo. Bhiodh e air ’ais a ghnàth agus ’n a leabaidh mu’n tigeadh an là. Bha am Freasdal gu sònruichte fàbharrach. Bha a’ ghaoth leis daonnan a’ falbh agus a’ tighinn. Cha robh e gu feum dha an cur air tìr a bhos chionn gheibheadh ise greim orra a rìs. Aon oidhche a’ tighinn dachaidh chunnaic e ’s e tighinn fagus do Chùla carbad dubh a’ falbh air a’ mhuir roimhe ’s e ann an deifir chruaidh. Labhair fear a’ [TD 56] charbaid ri gille Chùla: labhair an gille ris; thubhairt e ris a’ ghille gu’n robh esan a’ dol air son Bean Mhòr Chùla. Ghabh an Carbad dubh air aghaidh le srann fhiadhaich. Ràinig an gille Cùla beagan roimh bheul an latha mar a b’ àbhuist da agus chaidh e a laidhe ann an aon do na tighibh a mach. ’Nuair a dh’ èirich e bha fuaim feadh a’ bhaile is anns gach àite gu’n d’ thàìnig am bàs air Bean Mhòr Chùla! Bha a bàs ’na aobhar ghàirdeachais do na daoine a bha foipe. Chuimhnich an gille an sealladh iongantach a chunnaic e air a’ mhuir: is chreid e gu’m bheil aingle an Diabhuil a’ campachadh mu’n mhuinntir a tha deanamh a thoil. RANNACH. MOODY AGUS SANKEY. “Mar uisge air an fhaiche bhuaint’, is amhluidh thig e nuas: Mar fhrasaibh dh’ uisgicheas am fonn, is ionnan sin a ghràs. R’ a linn-san bidh na fìreanaich gu h-ùr a’ fàs le blàth: ’S am feadh a bhios a’ ghealach ann, bidh sìochaint pailt a ghnàth.” Tha na soisgeulaich Americanach Moody is Sankey a’ saoithreachadh le mòr shoirbheachadh ann an Glaschu o ’n thug sinn iomradh orra ’san Aireamh mu dheireadh. Tha buaidh tharruing agus bheòthachaidh chomharraichte aig fìrinnean an t-soisgeil air cridheachaibh nam beag is nam mòr ’s na làithibh so. A réir coslais gu ’m bheil peacaich do gach seòrsa, bochd is beairteach, fòghluimte is neo-fhòghluimte, seann is òg air an tarruing le tarruing bheò is éifeachdach an Athar, fo bhuaidh oibreachaidh Spiorad na Beatha ’n an anmaibh gu sealltuinn AIRSAN a rinn iad a lot, agus gu caoidh a dheanamh air a shon. Tha gach eaglais is talla ’s am bi Moody is Sankey moch ’s a’ mhadainn, air a’ mheadhon là no ’s an fheasgar air Sàbaid is air seachduin, làn gus na dorsaibh uair is dà uair an uaireadair roimh ’n àm shuidhichte. Feudaidh mi a ràdh o m’ fhéin-fhiosrachadh féin nach faigheamaid mu’n àm so an uiridh le mòr shaothair, strìth is slaodadh na lionadh cidsin airson focal coinneimh; ach an diugh gheibhear ann am beagan uairean làn eaglais gu éisdeachd le ro-aire cò aca a bhitheas Moody is Sankey a lathair no nach bi. Cuid a bha o cheann ghoirid mar mhairbh ‘s an uaigh gun deò, tha iad an dràsd air am faotainn beò ’nan anam fo shileadh an t-soisgeil. Air an t-sàbaid so chaidh, an cuigeamh là deug do ’n Mhàirt, chitheadh tu moch ’s a mhadainn grunnan an sud ’s a so do ghillean òga le am Bìobuill ’nan dòrn a’ falbh gu stòlda smuainteachail gu Talla Mòr a’ bhaile a chluinntinn mu Iosa o Mhoody. Mu naoi uairean bhiodh dlùth air ceithir mìle òganach cruinn. Thàinig an sin Moody is Sankey air an companachadh le oilfhearaibh, ministiribh is àrd-mhathaibh a’ bhaile. Ghabh e mar bhonn earail, dìlseachd neo-sgàthach Dhanieil anns gach cor is àite do ’n Dia bheò agus fhìor. Tha sinn ag altrum an dòchais gu ’n robh Spiorad nan gràs a lathair gu ’n do bhris e iomadh cridhe, a’ treabhadh domhain gu àite ullachadh airson sìol neo-thruaillidh na rìoghachd. Tha gillean òga Ghlaschu a tha mu àireamh trì fichead mìle is deich (70,000) air ceithir eaglaisean a ghabhail ann an cearnaibh freagarrach do ’n bhaile agus air coinneamhan ùrnuigh uaigneach is follaiseach a chur air an cois fad na [TD 57] seachduin so. Bha mi an nochd féin a làthair aig aon do na coinneamhan so, agus bha gun teagamh mòr dhùrachd air a nochdadh araon ann an ùrnuigh agus ann an earail leis na h-òganaich a labhair. Tha cuid nach ’eil a’ faicinn maith air bith ’s a’ ghluasad so, agus tha cuid eile nach ’eil a’ faicinn cron air bith ann. Cha téid mi féin buileach cho fada ri taobh ’s am bith do’n luchd-breith so; ach fàgaidh mi a’ chùis an làmhaibh an Tì sin a bheir breith cheart. Bheir mi cùnntas ni’s mionaidiche mu ’n dùsgadh so fathast; oir tha dùil agam le cead Deasaiche na Brataich geàrr-iomradh a thoirt air eachdraidh beatha nan soisgeulach Americanach so. Turusach. UAIR NA H-URNUIGH. O ùrnuigh ghaoil! O ùrnuigh ghaoil! A ghairmeas mi o chlaoidh an t-saogh’il, Tromhadsa innseam na tha m’ dhìth Do m’ Athair air A chathair-rìgh: ’Nuair bha mi ’n teinn agus ri bròn Fhuair m’ anam annad saors’ o leòn! ’S tric chaidh mi ás o rib an t-saogh’il, ’Nuair phill thu rium, O ùrnuigh ghaoil. O ùrnuigh ghaoil! O ùrnuigh ghaoil! Do sgiath bheir m’ iarrtus suas gu faoil A dh’ionnsuidhsan tha dìleas dlùth Do ’n anam ’dh’ fheitheas air le h-ùigh; O’n dh’iar E orm a bhi an sàs ’Ga iarraidh Féin, is earbs’ á ’ghràs, Nis tilgeam air gach claoidh mu sgaoil, Is feitheam riuts’, O ùrnuigh ghaoil! O ùrnuigh ghaoil! O ùrnuigh ghaoil! Le t’ fhurtachd fòir orm ré mo shaogh’il, Gu ’n gluais mi o Bheinn Phisgah uain’ A’ faicinn thall mo dhachaidh bhuain. An sgàile feòl’ so fàgaidh m’ dhéigh Is paisgear mi ’n deis’ glòire Dhé; ’S mi ’g éigheach suas troimh speur an t-saogh’il, Slàn leat, slàn leat, O ùrnuigh ghaoil! THUG IOSA DHOMH GRADH. Tha mi làn aoibh gu ’m bheil Athair na Glòir Ag ìnnse ’na Leabhar mu ’ghràs air son fòir; Measg nan ni luachmhor tha ’m Bìobull ag ràdh So ’n t-aon a’s mils’ gu ’n d’ thug Iosa dhomh gràdh. Tha mi làn aoibh gu ’n d’ thug Iosa dhomh gràdh, Ios’ thug dhomh gràdh, Ios’ thug dhomh gràdh, dhomhsa gràdh. [TD 58] Ged ni mi air dìchuimhn’ ’sa thriallas mi clì A ghaol tha ’g am leantuinn ’s gach àit ’sam bi mi; Phillinn gu ghàirdeanan gaoil agus àigh ’Nuair dh’ éireas a’m’ chuimhn’ gu ’n d’ thug Iosa dhomh gràdh. O! ma tha aon òran ann ni mi sheinn ’Nuair chì mi A Mhòrachd ’na Mhaise ro ghrinn, So bidh ’na òran gun chrìch leam gu bràth, “O ’n t-ioghnadh mòr gu ’n d’thug Iosa dhomh gràdh!” Thug Iosa dhomh gràdh is tha gràdh agam dhà ’Se ghaol chuir gu ’n d’ fhuiling E ’m bàs air mo sgàth; ’Se ghaol thug a nuas E a m’ shaoradh o chràdh— O tha mi cinnt’ gu ’n d’ thug Iosa dhomh gràdh! Ma dh’ fheòraicheas neach dhiom co dh’ innis an sgeul? Glòir bhi do Iosa chuir Esan an céill; A Spiorad tha cagar le m’ spiorads’ gach tràth, Toirt fianuis nach meall, gu ’n d’ thug Iosa dhomh gràdh. ’San dearbh-bheachd so fhuair mi fois shòlasach fhìor; Tha m’ earbsa á Iosa nach tréig mi gu sìor; Tha Satan a’ teicheadh o m’ anam fa sgàth. ’Nuair chanas mi ris, gu ’n d’ thug Iosa dhomh gràdh. THA IOS’ O NÁSARET DOL SEACH. GU dé is ciall do’n deifir chruaidh, Do’n iomagain mhòir so ’m measg an t-sluaigh? Na cruinneachaidh so o là gu là A’ dian-ruith seachad orm gach tràth? Am freagradh fann tha aig gach neach, “Tha Ios’ o Nàsaret dol seach.” Cò e an t-Iosa so? An géill Am baile mòr mar so d’ a sgeul? An urrainn coigreach aig a mhiann An sluagh a ghluasad fo a rian? Gheibh thu a rìs am beul gach neach, “Tha Ios’ o Nàsaret dol seach.” Iosa! A bha aon uair a bhos Air slighe dhaoin’ measg bròin gun chlos; Thugadh d’ A ionnsuidh, ’s iad ’nan teinn, A’ mhuinntir bhodhar, bhacach, thinn. ’Sa’ ghlaodh na doill ghabh tlachd gach neach, “Tha Ios’ o Nàsaret dol seach.” [TD 59] Thig E a ris! A lorga naomh’ Chi sinn o àit gu àit gach taobh. A cheuman aig ar starsnaich cluinn,— Seadh,—tha E steach is fanaidh leinn. Nach seinn sinn le mòr aoibh gach neach, “Tha Ios ’o Nàsaret dol seach.” O! thigibhs’ ’tha le ’r n-uallach sgìth! So math’nas, dachaidh, fois, is sìth. A sheachranaich o’r n-Athair caomh Pillibh is glacaibh ’fhàbhar naomh. A mhuinntir bhuairt’, so dìon gach neach, “Tha Ios’ o Nàsaret dol seach.” Ach fath’st a ghairm ma dhiùltas sibh, ’S mi-bhuil d’ A ghràdh ma nithear leibh, Pillidh e duilich uaibh gu geàrr, ’S E air bhur n-ùrnuigh dheur a’ tàir. “Ro anmoch!” bidh bhur glaodh ’s sibh mach— “Tha Ios’ o Nàs’ret air dol seach!” DIA NA ROIMH AIR ITHEADH LE RADAN. LEIS AN URR. T. CHINIQUY, A BHA AON UAIR ’NA SHAGART PAPANACH. An d’ thug Dia dhuinn cluasan a chluinntinn, sùilean a dh’ fhaicinn, agus tuigse a thuigsinn. Tha am Pàpa ag ràdh, Nach d’ thug! Ach tha Mac Dhé ag ràdh, Gu ’n d’ thug! Thug ar Slanuighear cronachadh ro shearbh d’a dheisciobuil air son nach robh iad a’ toirt aire gu leòir do na chunnaic an sùilean, na chual an cluasan, agus na thuig an tuigse. “Nach ’eil fhios agaibh fathast, agus nach ’eil sibh a’ tuigsinn? Am bheil bhur cridhe fathast air a chruadhachadh? Air dhuibh sùilean a bhi agaibh, nach faic sibh? agus air dhuibh cluasan a bhi agaibh nach cluinn sibh? agus nach ’eil sibh a’ cuimhneachadh?”—Marc, viii. 17, 18. Tha na briathran so o ar Slànuighear a’ togail na cùise gu ar comasan mothachaidh no faireachaidh, agus a’ tilgeadh bun os ceann stéidh aitreamh na h-Eaglais Ròmhanaich. An là anns am bheil am Pàpanach, a’ creidsinn nach d’ thug Dia dhuinn ar tuigse gu ar milleadh agus gu ar mealladh, ach gu ’n d’ thugadh dhuinn iad gu ar stiùradh, tha e an là sin caillte do Eaglais na Roimhe. Tha fhios aig a’ Phàpa air so; agus ’sann a bhrìgh so a rinn e na laghan is na riaghailtean do-àireamh leis am bheil e toirt rabhaidh do Pàpanaich gu ’n iad a chur earbsa ann an teisteas an cluas, an sùl, no an tuigse. “Dùinibh bhur sùilean,” tha am Pàpa ag ràdh r’a Shagairt agus r’a shluagh. “Gleidhidh mise m’ fheadhain féin fosgailte, agus chì mi air bhur son. Dùinibh bhur cluasan; oir is ni cunnartach dhuibh an ni a tha air a ràdh anns an t-saoghal a chluinntinn. Gleidhidh mise mo chluasan fosgailte agus ìnnsidh mi dhuibh na ’s còir dhuibh fios fhaotainn air. Cuimhnichibh gur sgrios sìorruidh dhuibh earbsa a chur ás bhur tuigse féin, air dhuibh bhi a’ [TD 60] rannsachadh fìrinn agus eòlas Focal Dhé. Ma ’s miann leat eòlas fhaotainn air ni ’sam bith thig far am bheil mise: Is mise a mhàin tobar cinnteach agus neo-thuiteamach na fìrinn,” mar so their Pàpa. Agus tha am mealladh anabarrach so air a ghabhail le sluagh agus le Sagairt na Ròimhe gu soirbh socair, agus air a ghleidheadh gu deanachdach gu ’n sgrios féin. Tha am mealladh so dhoibhsan an ni a tha am fàine iarruinn do shròn an daimh ’nuair a tha toad air a ceangal rithe. Tha an creutair bochd a’ call comas e-féin a riaghladh. Tha a neart nàdurra agus a spàirn gun chòmhnadh ’sam bith dha; feumaidh e dol deas no clì aig toil an fhir a tha aig ceann na taoid. A Leughadair, na dean tàr air sluagh agus air Sagairt mifhortanach na Ròimhe, ach biodh truas agad diubh ’n uair a chì thu iad a’ coiseachd air slighibh air nach bu chòir do chreutairibh tuigseach aon cheum a thoirt. Cha ’n ’eil àrach aca air. Tha fàine an daimh ’nan sròin, agus tha greim aig a Phàpa air a cheann. Mur bitheadh am fàine ud cha bhithinnse fada aig cosaibh Dia ceireanach a’ Phàpa. Innseam mu aon do ghathaibh dealrach na fìrinn a bha air an cur a réir coslais le ar Dia tròcaireach le cumhachd mòr a dh’ fhosgladh mo shùilean. Ach cha b’ urrainn dhomh a leantuinn; bha am fàine iarruinn rì m shròin agus bha greim aig a’ Phàpa air ceann na taoid. Bha so an déigh dhomh bhi air mo chur os ceann sgìre ghreadhnach Bheauport ann an earrach na bliadhna 1838. Bha seann Sagart a bha dall a’ fantuinn aig “La jeune Lorette.” Rugadh e ’san Fhraing, far an robh e air a dhìteadh gu bàs ri àm geur-leanmhuinn a bh’ ann aig deireadh na lìnn so chaidh. Fhuair e teicheadh gun an ceann a thoirt deth gu Canada far an do chuir Easbuig Chuibec e os ceann Tigh-Chailleacha-Dubha Ursoline mar shoisgeulaiche. Bha guth gasda aige, bha e ’na dheadh fhear-ciùil, agus bhiodh e ag agradh còir air an ainm bàrd. A bhrigh agus gu ’n d’ rinn e àireamh do laoidhibh, theirteadh “An t-Athair Binn” ris; ach b’ e ’fhíor ainn “An t-Athair Daulé.” Bha a’ chreideamh agus a dhiadhachd do ’n ghné a b’ àirde cliù am measg nam Pàpanach; ged nach do bhac so dha bhi ’na fhear cho aighearrach agus cho sùrdail agus a chunnaic mi riamh. Ach bha a shùilean gorma, caoin mar shùilean a’ cholumain, ’fhalt buidhe grinn, a’ sruthadh air a ghuaillibh sìos mar olainn òir; a ghruaidhean bàn bris-dhearg, agus a bhilean feath-ghàireach; iad so uile bha tuilleadh a’s buadhach air cridheachaibh caomh’ nan deadh òighean a bha an tigh nan cailleacha Dubha. Cha robh e buileach uaigneach gu ’n d’ rinn “An t-Athair Binn,” “Père Cantique,” ’n uair bha e òg, taiseachadh air cridhe té no dhà dhìubh sud. Gu fìrinneach, cionnus a b’ urraim an dealan-dé òg ud gun fhiosrachadh dol ás gun chron d’ a sgiathan òr-bhuidh’ ’n a sgiathlaich mu lòchrain lasrach lìonmhor nan òighean ud? Ach chuireadh cleòc na seirc thairis air na lotaibh a fhuair an seann laoch air an roan-chath ud, o’n deachaidh iomadh Daibhidh, Samson, Solamh le mòran eile ás air éigin an deigh doibh a bhi air an lot gu bàsmhor. A chuideachadh an t-seann t-Sagairt dhoill b’ àbhuist do na frìth-shagairt (curates) mu Chuibeic a ghleidheadh treis mu seach ’nan tighibh agus meas a nochdadh dha ni a b’e dlighe a sheann aois. An déigh dha [TD 61] bhi cùig no sè sheachduinean leis an Urr. Mr Ruadh, frith-shagart Bhourg, ghabh mise e gu m’ thigh féin. B’e an t-àm mìos Mhàigh—mìos a tha gu h-iomlan air a choisrigeadh do aoradh na h-Oighe Muir, d’an robh Athair Daulé air e-féin a naomh-cheangal gu dian mar shagart. Bhiodh a chainnt gun chrìch ’nuair a thòisicheadh e air a dhearbhadh dhuinn cionnus a b’i Màire a’ bhunait a bu chinntiche do dhòchas is do shlàinte pheacach; cionnus a bhiodh i a ghnàth a’ sìtheachadh ceart fhearg a Mic Iosa a phronnadh sinn gu làr o cheann fhada mur bitheadh a mheas oirre-se. Tha raighailtean Eaglais na Ròimhe a’ toirmeasg do shagairt dhalla aifrionn (mass) a ràdh; ach a bhrìgh gu ’n robh esan air a mheas cho diadhaidh fhuair e cothrom o’n Phàpa aifrionn goirid a ràdh do ’n Oighe, ni a bha aige air a mheadhair. ’N uair a bha an Seann Sagart ag ràdh ’aifrionn aig an altair, aon mhaduinn, agus mise anns an roimh-sheòmar bheag ag éisdeachd faosaid an t-sluaigh, thàinig an giullan frithealaidh òg a steach far an robh mi an deifir mhòir ag ràdh: “Tha Athair Daulé ’g ’ur n-iarraidh; thigibh gu luath.” Chaidh mi far an robh e air ball. Fhuair mi e bualadh na h-altarach gu h-éigeantach mar gu’ m biodh e ag iarraidh rud-éigin luachmhor. ’N uair bha mi dlù dha;—Gu dè a tha a dhìth oirbh?” Fhreagair e le glaodh éigin: “Tha an dia math air dol á sealladh bhàrr na h-altair. . . . . Tha e caillte!! J’ai perdu le Bon Dieu. . . . . Il est disparu de dessus l’autel?” An dòchas gu ’n robh e am mearachd, agus nach d’rinn e ach an dia math “Le Bon Dieu” a thilgeadh air an làr le tuiteamas, rannsaich mi air an altair, aig a chosaibh, agus anns gach àite anns am feudadh an dia math dol. Ach cha d’ fhuair mi e. Cha b’ urrainnear an dia math fhaotainn. Cha robh fhios agam gu dé a dheanainn. Shaoil mi an toiseach gu ’m b’ e so aon do na mìorbhuilibh a bhiodh a’ tachairt do ’n dia cheireanach (wafer god) mu ’n do leugh mi an eachdraidh na h-Eaglais. Ach an ùine ghoirid dh’ atharraich mi m’ inntinn, ’n uair dhealraich smuain troimh m’ chuimhne, aig an d’ fhuaraich m’ fhuil ann am chuislibh. Bha an eaglais agamsa làn do na radain a bu dàine a chunnaic mi riamh. ’S tric a chunnaic mi iad a’ cur a mach an sròntan odhar troimh na tuill ag iarraidh am biadh-maduinn a dheanamh do chorp, do dh’ fhuil, do anam, agus do dhiadhachd mo Chrìosd. Ghabh mi uamhann gu’n do bhuin na radain ris an dia mhath. Thubhairt mise ris ann an guth beag agus mi glé dheuchainneach: “Tha na radain an déigh an dia math a shlaodadh air falbh agus itheadh!!!” “Tha: cha’n’eil teagamh agam,” thuirt mise. “Mo Dhia!! Mo dhia!! Gu dé an truaighe a thàinig orm, “thuirt an seann duine agus e a’ togail a làmhan agus a shùilean suas gu nèamh a’ gloadhaich a mach a rìs: “Mo Dhia!! Mo Dhia!! c’arson nach d’ thug thu air falbh mo bheatha mu ’n do cheadaich thu d’ a leithid so do dhosgain teachd orm!!” Stad e agus a ghuth air a thachdadh le osnaidh. An toiseach cha robh fhios agam ciod a theirinn: chaidh mìle smuain iongantach agus sòluimte troimh m’ inntinn ni ’s luaithe na ’s urrainn dhomh innseadh. Sheas mi làimh ris an t-seann t-sagart a bha gal mar leanabh; gus an dubhairt e rium “Gu dé a ni mi nis?” Fhreagair mise: “Chunnaic an Eaglais roimh làimh dosgainean do ’n t-seòrsa so, [TD 62] agus dh ’ullaich i air an son. ’Se an t-aon ni a nì thu, ceirean ùr fhaotainn agus a bheannachadh, agus an t-aifrionn a ràdh mar b’ àbhuist mar nach biodh ni ’sam bith air tachairt. Théid mise agus gheibh mi dhuit a nis aran ùr.” Chaidh mise agus fhuair mi ceirean ùr; bheannaich esan e; agus rinn e dia ùr do ’n aran ùr; agus chriochnaich e an t-aifrionn mar thubhairt mi ris. An déigh so a bhi seachad ghabh mi air làimh e agus thug mi leam e gu m’ thigh g’a bhiadh-maduinn. Ach fad an rathaid bha e a’ sgàineadh an athair le glaodhaich mhuladaìch. Cha ’n itheadh e ach beag ni ’sam bith, oir bha ’anam air a bhàthadh ann an cuan doilghiois. Bha e dìomhain dhomh a bhi ag ràdh ris nach robh àrach aigesan air; nach b’e so an ceud ni do’ n t-seòrsa a thachair; gu ’n d’ullaich an eaglais air a shon roimh ’n àm; nach robh dearmad, coire, no peacadh d’a thaobhsan mu ’n chùis an aghaidh Dhia no dhaoine. Ach cha ’n éisdeadh e rium; agus thuig mi gu ’m b’e mo dhleasannas fantuinn sàmhach agus leigeadh leis a bhròn a chur air falbh ann an caoidh. Shaoil mi gu ’n tugadh a thuigse nàduir e gu geàrr gu staid eile inntinn; ach bha mi ann am mearachad; lean a thuireadh cho fada, cho searbh, agus cho dòruinneach ri tuireadh Ieremiah. Mu dheireadh chaill mi m’ fhoighidinn agus thubhairt mi: “Athair Daulé ghaolaich ceadaich domh innseadh duit gu ’m bheil an t-àm agad a nis stad do d’ bhròn. Cha’n’eil tlachd ’sam bith aig an Dia mhòr agus chothromach ann an tuille ’sa’ chòir do bhròn mu ni a bha gu h-iomlan agus gu léir fo a riaghladh glic agus sìorruidh féin.” “Gu dé tha thu ’g ràdh mar sìn?” thuirt an seann sagart mar gu’m bìodh fearg air. “Tha mi ’g ràdh nach robh e ’d’ chomas-sa sud fhaicinn roimh ’n àm; air chor agus nach ruig thu leas caoidh agus gul mar tha thu deanamh. Gleidheamaid ar bròn agus ar deòir air son ar peacanna: ghnìomhaich sinn araon mòran, agus cha ’n urrainn sinn tuilleadh ’s a’ chòir do chaoidh a dheanamh air an son: feumaidh crìoch reusonta a bhi aig ar bròn. Ma’m biodh aig neach air bith ri gul gun tomhas a dheanamh air son na thachair b’e Criosd. Oir is esan a mhàin a b’ urrainn an ni a roìmh-fhaicinn, agus is esan a mhàin a b’ urrainn a bhacadh. Ma’m b’e a thoilsan nach tachradh an ni so ’s ann ’na làimhsan agus cha b’ann ’nar cumhachd-ne a bha a’ chùis a bhacadh. Is esan a mhàin a dh’ fhuiling air a shon, do bhrìgh agus gu’m b’e a thoil fulang air a shon.” “A Mhr. Chiniquy,” fhreagair esan, “cha’n’eil annad ach duine òg; agus tha mi faicinn gu’m bheil thu an uireasbhuidh na h-aire agus an fhéin-fhiosrachaidh a tha a dhìth air mòran do na Sagairt òga. Cha’n’eil thu toirt idir fainear an doilghiois a thàinig air t’ eaglais. Ma’m bitheadh barrachd creidimh is diadhachd agad ghuladh tu maille riumsa an àite bhi ri gàire air mo bhròn. Cionnus a’s urrainn thu labhairt cho suarach mu ni a tha toirt air Ainglibh Dhé gul! O an slànuighear naomh air a shlaodadh agus air itheadh aig radain!! O! Dhia Mhòir! nach ’eil so a’ dol os ceann iorioslachadh agus uamhais Chalbhari!!” “Athair Daulé ghaolaich,” thuirt mise, “ceadaich domh innseadh duit, gu ’m bheil mi a’ tuigsinn cho math agus a tha thusa nàdur na dosgain bhrònaich a thachair an diugh. Bheirinn m’ fhuil air son a [TD 63] bhacadh. Ach seallamaid air a’ chùis ann an solus ceart; cha’n e gnìomh modhannail a tha ann; cha robh e an crochadh ri ar toil-ne ni’s mò na tha na buill a tha ’sa’ ghréin. ’Se an t-aon neach a tha cùnntasach air son an ni ar Dia féin! Oir a rìs tha mi ’g ràdh, gur h-esan an t-aon neach a b’ urrainn a roimhfhaìcinn agus a bhacadh. Agus a dh’ innseadh dhuit m’ inntinn féin gu glan, tha mi ’g ràdh riut, ma’m bu mhise an Dia Uile-Chumhachdach, agus gu ’n tigeadh radan truagh a m’ itheadh bhualainn marbh e mu’n leiginn da beantuinn domh!!” Cha ruig mi leas aideachadh tuigidh gach neach a leughas so gu’n robh m’earbsa á m’ chumhachd éifeachdach sagartail a’ falbh, nach robh mi creidsinn gu’m b’ urrainn dhomhsa an ceirean no an t-aran atharrachadh gu bhi ’na dhia. Las solus ùr troimh m’anam aig an uair ud; bha Dia tròcaireach deònach mo shùilean fhosgladh a dh’ fhaicinn uamhasan salach a’ chreidimh gu’m faodadh a Dhia bhi air a shlaodadh agus air itheadh aig radain. Na’m bithinnse dìleas do ’n t-solus teàrnaidh a fhuair mi bha mi air mo shaoradh air ball; agus mu’n d’thàinig deireadh an là ud féin bha mi air na slabhruidhean Pàpanach a cheangail mo mhuineal ris an iodhal arain a bhriseadh. An uair ud shaoil mise nach robh anns a’ bheachd gu’m robh an t-aran air atharrachadh gu bhi ’n a fhìor chorp Chriosd ach mealladh mòr, agus nach robh ’m’ shagartachd ach dreuchd-fhanoid air Dia agus air daoinibh. Thuirt mo thuìgse rium le guth tàirneanaich: “No lean ni’s faide a’ d’ shagart do dhia a tha thu féin a’ deanamh a’ h-uile là, agus a’s urrainn na radain itheadh.” AN T-IONMHAS SPIORADAIL. LEIS AN URR. M. LACHLANN. Tha ionmhas nach teirig a chaoidh An tasgaidh gu sìor air nèamh, ’Sis luachmhoir’ agam gu mòr Na ’n t-or a’s maisiche sgèimh; ’Nuair bhios mi gun sgillin a’m’ phòc Tha airgiod is òr an tàmh, Fa m’ chomhair, aig m’ Athair tha shuas, Ni gheibh mi gun ghruaim bho làimh. ’Nuair dh’ iarras mise le sgàth, ’Sann thig E, le fàilt, ’s le h-aoibh, A’ nochdadh a sporrain bhi làn, ’S nach eagal gu bràch gun traoigh; A’ tilgeadh na coir’ orm féin, Bhi beò ann am éigin bhochd, “Nach iarr thu na’s àill leat gach uair ’S nach fhògair thu ’uait do sprochd.” O ’s iomadaidh, iomadaidh, uair A dh’iarr, is a fhuair gu leòir, [TD 64] ’S cha bhiodh E, ’ga mhaoidheadh sud orm ’S ann b’ àill leis gu’n gabhainn an còrr; ’S ’nuair dheanainn a’ m’ mharsandachd uaill, An stòras a bhuannaich mi, ’Sann thionndadh an rotha, car-tuath’l, Is bhithinn gu luath an dìth. Sinn, rachainn a dh’ionnsuidh ’n Fhir-sporrain, Is sheasainn ’san dorus, le nàir, Air eagal le mi bhi cho rùisgt, Gu’n rachadh mo dhiúlt’ le tàir; Ach thigeadh a bhriaran gu m’ chuimhn’, Nach ath’rraich E chaoidh na their, Is ged tha a gheallannan mòr, Gur motha gu mòr a bheir. Cha’n eagal gu’m bris E air fhacal, ’S tha stòras gun airceas, fo làimh, A’s motha na ionmhasan Shasuinn; ’S iad creutairean bochd a luchd-dàimh; O! thigibhse uil’ tha gun mhaoin, Is gheibh sibh gu saor a ghràs; Mar ’s mò, a gheibh sibh d’a òr, Is motha tha stòr a’ fàs. EAD. LE CAMERON. FIOS COITCHEANN. An àm dha Cill-Fhìonain fhàgail thug an coithional am measg an robh e a’ saothrachadh mar thiodhlac uaireadair òir do ’n Urr. Mr Macillemhìcheil a tha air a shuidheachadh ann an sgìre a’ Chnuic an Leòdhais. Tha an t-Urr Teàrlach G. Mac Aoidh air a shuidheachdh ann am Baile-Màiri làimh ri Dingwall. Tha mar an ceudna an t-Urr. Mr Mac-an-tòisich air a shuidheachadh ann am baile Bhogh-mòir an Ile. Tha an cogadh air taobh siar Africa air tighinn gu crìch. Loisg na Breatunnaich Coomasssie, baile mòr Righ Ashantee. Agus thug esan seachad a’ cheud chuid do phàigheadh costuis a’ chogaidh. ’Si tìr shalach ghrànnda mhi-fhallan a tha an sud do dhaoine geala; agus ghreas na Breatunnaich áisde roimh uisgeachan troma an earraich. Tha an t-arm Breatunnach anns na làithibh so a’ tighinn air tìr ann an Sasum an déigh tighinn dachaidh. B’i an Réiseamaid Ghàidhealach an 42ra a bh’ aig bun a’ chogaidh agus dhearbh i a tréine mar ann an làithibh o shean. Chosg an cogadh ochd ceud mìle. Tha trì do na laoidhibh a tha air an seinn aig na coinneimhibh dùsgaidh feadh na rìoghachd air an eardar-theangachadh anns an Aireamh so do ’n Bhrataich air son feum na muinntir nach tuig a Bheurla. [TD 65] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 5.] Maigh, 1874. [LEABH. II. “GLIOCAS AN NI SONRUICHTE.” FREAGARRACH DO CHLOINN. [Dealbh] CHUALA sibh mu Dhaibhidh, am balach buachaille a bha ’na dhéigh sud ’na rìgh ann an Israel; tha cuimhne agaibh gu ’n d’ thàinig Samuel, am faidh, air àithne an Tighearna, gu Betlehem a dh’ ùngadh aoin gu bhi ’na rìgh an àite Shauil; agus gu ’n d’ thug Iesse air a dheich mic dol seachad ’n a làthair, ach thubhairt Samuel nach do thagh an Tighearna iad. An sin chuireadh air son Dhaibhidh an t-aon a b’ òige ’s e aig na caoraich; agus ’n uair a thàinig e le a ghruaidhean ruidhteach bòidheach agus a sheas e an làthair an fhàidh, thubhairt an Tighearna, “Eirich, ùng e: oir is e so esan.” Tha fios agaibh gu math air a strì ri Goliah Ghat, agus cionnus a fhuair e buaidh air a cheatharnach threun ud a chuir crith air Israel uile; agus mar a chaidh e mach ’n a aghaidh an ainm an Tighearna le crann-tabhuill agus le clachaig. ’Siomadh ni eile a bhàrr air so; gus an do mharbhadh Saul ann am blàr Ghilboa. An sin shuidhicheadh Daibhidh air a rìgh-chathair, agus rinn Dia rìgh mòr dheth, agus thug e gràdh mòr dha, agus thug e gràs dha, gus an robh e ’na dhuine a réir a chridhe féin. Chuala sibh mar an ceudna mu a mhac Solamh; an roghainn a rinn e gus am b’ e an duine a bu ghlice a chunnaic an saoghal. Is e a sgrìobh leabhar nan Gnàth-Fhocail anns am bheil e ’g innseadh dhuinn mu theagasg athar Daibhidh; agus gu ’m b’ e brìgh a theagaisg: “Is e gliocas an ni sònruichte; uime sin faigh gliocas.” [TD 66] I.—CIOD E GLIOCAS? An e eòlas e? ’Se, ach tha barrachd ann; ach cha ’n e a’ h-uile seòrsa eòlais. Feudaidh fios a bhi agad air gu leòr, agus ’n a dhéigh sin a bhi gun an gliocas so. Feudaidh fios a bhi agad mu na cuileagan a tha a’ dannsa ’s an athar; mu eòin ’s mu ainmhidhean, mu lusan ’s mu chraobhan; feudaidh fios a bhi agad air eachdraidh nan cinneach, agus a bhi comasach air innseadh mu na seana Ghreugaich ’s mu na Ròmanaich; feudaidh fios a bhi agad air speur nan reult, agus a bhi comasach air meud na gréine ìnnseadh, agus gluasaid na gealaich; agus tha e gun teagamh glé fheumail do dhuine fios a bhi aige air so uile—cha’n’eil a’ mhuinntir a ni tàr air a leithid so do eòlas fìor ghlic. Ach feudaidh fios a bhi agad air sud uile agus ’n a dhéigh sin a bhi gun an gliocas a theagaisg Daibhidh do Sholamh fhaotainn mar an ni sònruichte. Is e fìor ghliocas eòlas a bhi againn air an Tighearna a tha naomh, agus ceart, agus math. ’Si so a’ bheatha mhaireannach gu ’m biodh eòlas aca ortsa an t-aon Dia fìor, agus air Iosa Criosd a chuir thu uait. Tha Solamh féin ag ràdh gur h-e eagal an Tighearna tùs a ghliocais. Thubhairt saighdear ainmeil, “Tha eagal orm peacachadh, ach cha’n ’eil eagal orm cogadh.” Leugh sibh “Turus a’ Chriosduidh?” Ma Leugh bidh cuimhne agaibh gu ’n do thòisich Crìosduidh air a bhi glic ’nuair a thoisich eagal an Tighearna ann. ’S iad a’ mhuinntir a fhuair an gliocas so iadsan a thuig gu ’m bheil iad ’nam peacaich an làthair Dhia, agus air dhoibh a bhreitheanais, a tha air teicheadh gu Iosa, an Dòchas a chuireadh rompa anns an t-soisgeul. II.—C’ARSON IS E GLIOCAS AN NI SÒNRUICHTE? (1.) Is e gliocas an ni sònruichte, oir mur faigh thu e, CAILLEAR THU. Saoil thu féin a’ cluich air an tràigh; agus ann am meadhon do chluiche nach d’ thug thu fainear gu ’n robh thu air do chuartachadh leis an làn. Cha’n’eil ni ach am bàs romhad. Tha an làn ag éirigh ni ’s àirde agus ni ’s àirde. Gu geàrr slugaidh e suas thu. Ciod a bhiodh ’n a ni sònruichte dhuit anns a’ chùis sin? Nach b’ e ’n gliocas duit, eòlas air dòigh a thaobh-éigin leis an rachadh tu ás? Ciod am feum a bhiodh anns na sligean bòidheach agus anns na clachan lurach iongantach duit? Bhitheadh thu féin agus iadsan gu goirid air bhur sguabadh air falbh leis a’ chuan mhòr. Bhris sibhse laghan an Dé Mhòir, agus tha breitheanas Dhé a’ tighinn oirbh air son bhur peacaidhean. Tha e sruthadh dlù, dlù—gu goirid slugaidh e thu air falbh gu sgrios sìorruidh, mur bheil thu air do shàbhaladh; oir gu cinnteach thig e air na h-aingidh uile. Ciod an ni sònruichte ri aghaidh so? An e cluiche nis, no mar tha thu ni ’s sine sgrìobadh òir? Ah! cha’n e—is e fòghlum cionnus a dh’ fheudas tu bhi uir do theàrnadh. Bhàsaicheadh clann Israel a bha air an lot mur tugadh Dia dhoibh an nâthair umha, air an do theagaisg e dhoibh amharc agus a bhi beò. ’S e gliocas an ni sònruichte do bhrìgh agus gu ’m bheil e ’g innseadh do pheacaich bhochd chaillte mu Iosa—muinntir a tha fosgailte do theine ifrinn; agus gu ’m bheil e ’g an treòrachadh a dh’ ionnsuidh-san air son slàinte. (2.) Is e gliocas an ni sònruichte do bhrìgh agus gu ’m bheil e ’g ar deanamh SONA AM BEATHA, SONA AM BAS, agus SONA TROIMH ’N T- [TD 67] SÌORRUIDHEACHD. Bu mhaith leat a bhi sona—ma ta is ann an gliocas a mhàin a gheibhear sin. Ni gliocas caraid do Dhia. ’Nuair tha thu glic a aithneachadh agus a ghràdhachadh-san glanaidh e do pheacaidhean uile air falbh ann am fuil Iosa. Bheir e cridhe nuadh dhuit, agus cuiridh e thu am measg a chloinne. Ni e faire os do cheann, agus gleidhidh e thu mar chloich a shùil, agus is toigh leis do dheanamh sona. ’Nuair thig am bàs, troimh ’n ghleann dorcha, bithidh esan maille riut, agus cha bhi eagal uilc air bith ort, ni a lorg agus a bhata comhfhurt duit. Agus ’n uair a théid do spiorad seachad do ’n t-saoghal shìorruidh gun a’ fàgail ni ’s am bith ach an corp fuar ’n a dhéigh, giùlainidh aingle beannaichte-san thu gu glòir, agus gabhaidh tu còmhnuidh ann an tigh an Tighearna gu bràth. III.—CIONNUS A GHEIBHEAR AN GLIOCAS SO? (1.) Gheibh thu e le leughadh a’ Bhìobuill. Is e leabhar beannaichte Dhia e. Thug esan fainear a sgrìobhadh chum agus gu ’m biodh sinne air ar deanadh glic chum slàinte. (2.) Troimh shearmonachadh an t-soisgeil. Rach a dh’ éisdeachd ministeirean an Tighearna, agus chi thu gu ’m bheil iad a’ gabhail tlachd ann a bhi cumail a mach Iosa, agus ’nuair a tha iadsan a’ labhairt gu ’m bheil Esan a’ tighinn agus ’ga fhoillseachadh féin dhoibhsan a tha ’g a iarraidh. (3.) Le ùrnuigh. Is ann mar so a fhuair Solamh e. Iarr agus bheirear dhuit. Rach dhachaidh a’ t’ aonar, anns an t-seòmar uaigneach, no anns an achadh, anns a’ choille no air taobh na beinne. Rach air do ghlùinibh an sin, agus guidh air an Tighern Iosa do dheanamh glic, agus do threòrachadh air slighe na beatha, agus éisdidh e ri d’ ghlaodh. Fiosraichidh e thu le shlàinte, glanaidh e thu le ’fhuil, agus còmhdaichidh e thu ann an éideadh fhireantachd féin; agus troimh eòlas Air-san gheibh thu anns a’ bheatha, aig a’ bhàs, agus troimh’n t-sìorruidheachd gur h-e gliocas an ni sònruichte. RANN FHIONNGHAEL. (“Air a sgrìobhadh o aithris Iain Mhic an t- Saoir, bràthair mo mhàthar.”—N.C.) Mo bheachd ort a bhàis gur bras thu ri pàirt, Gur teachdair tha làidir treun thu; Am batal nam blàr cha d’ thug air do thàrr, ’Saon duine cha’n àill do thréigsinn. Glacaidh tu ’m bride air mhochra ’s ’san oi’ch’ Mu’n càraich iad féin am * bréid oirr’ Glacaidh tu chloinn mach bho ’na’ † bhroinn Mu’m facaidh iad soillse gréine. * Seann chleachdadh troimh ’n robh mnathan pòsda a’ dol an ath latha an déigh dhoibh pòsadh. Bha a’ bhean roimhe so ’na gruagach; tha i nis ’na bréideach. † Modh labhairt Tuathach. [TD 68] BUALADH, BUALADH; CO A TH’ANN? Bualadh, bualadh; co’ a th’ann? Feitheamh, feitheamh ’n glòir nach gann! Tha Fear-turuis coigreach rìoghail, Leith’d cha’n fhacas roimhe riamh; M’anam, éirich, fosgail tìtheil; Faic am braon a th’air a chiabh. Bualadh, bualadh; sud an Rìgh; Feitheamh, feitheamh, caomh an crì; Ach tha ’n dorus duilich fhosgladh, Oir tha eigheann ’s luidhean teann Le am meanglain dhorch’ gun mhosgladh Naisgte mu na boinn ’s mu’n chrann. Bualadh; sud an Slànuighear caomh Feitheamh fathast àillidh naomh; Fath’st tha làmha loite bualadh ’S chi thu fo a chrùn a’ s fiù Dealradh foighidneach a shùla Tha cho caoin ’s E feitheamh dlù. THA SINN FEITHEAMH TAOBH NA H-AMHUINN. Tha sinn feitheamh taobh na h-amhuinn, Sinn ri faire taobh nan lunn; Mhàin a’ feitheamh fir an aiseig, A bheir sinn gu geàrr a nunn. Ged tha ceò os ceann na h-amhuinn Is a tuinn gu cruaidh ri ràn’ Tha sinn cluinntinn thar na mara Aingle naomh a’ seinn nan dàn. Fhuaradh leinne aiteal dealrach Air àrd bhaile soilleir nèimh, Le a thùir mar dheàrsa-gréine, Le a shruthan milis sèamh. ’S iomadh d’ A luchd-gaoil a ghairm E; Chunnaic sinn iad a’ dol uainn; Chì sinn iad a rìs le ’r Slànuigh’r ’N uair a théid sinn thar a’ chuain. ’N uair théid sinn troimh ghleann nan sgàil ud, Le a thonnan doilleir fuar, Fanaidh sinn a chaoidh ’sa’ bhail’ ud A tha glòrmhor geal an tuar. [TD 69] REUL-MAIDNE NA GAIDHEALTACHD. LEIS AN URR. U. MACGILLEBHRA, D.D. Ann an I thòisich Calum-cille air a cheud obair mhòir. An so, mar tha D’Aubigné ag ràdh, “bha e ri ùrnuigh is ri leughadh, sgrìobh e is theagaisg e, shearmonaich e is shuidhich e an dreuchd o chinneach gu cinneach. Chaidh righrean, àrd uaislean, is triathan cogarra do I a dh’ fhaotainn eòlas na diadhachd: bha leabhraichean luachmhor lamh-sgrìobhta air an tionail an sud;—bha fòghlumaid eòlais diadhaidh air a togail is air a h-árach an sud anns an robh am Focal air a theagasg is air ionnsachadh . . . agus bha spiorad leis am bu mhiann an soisgeul a chraobh-sgaoileadh ag analachadh o’n Chreig chuain ud air an d’thugadh gu ceart mar ainm, ‘Solus an t-Saoghail an Iar’.” O’n Oilthigh Ghàidhaelach so air a chrioslachadh le brisidh bhàna a’ chuain mhòir, agus o’n cluinnear trom cheòl Choìrebhreacain is— “Far bheil na h-euna-mar’ air bhoile Seòladh o thràighean ceòthach Mhuile, ’Sam bheil a chaoidh na tuinn ri strì Mu’n cuairt do uaighean naomh is rìgh,”— ìs ann o’n ionad-naomh fhiadhaich aonarach so a chaidh turusaich a’ Chroinn-cheusaidh a mach a dhòrtadh buaidh leighis an t-soisgeil air cridheachaibh nan clanna doirbh, sgaothach, borb ud dhe ’n robh sluagh na dùthcha air an deanamh suas. Feudaidh sinn anns an dol seachad ni a thoirt fainear nach robh gu soìlleir air a chomharrachadh a mach roimhe so, gur h-ann leis na Gàidheil a bha aobhar araon an eòlais agus na diadhachd air altrum agus air àrach cha’n ann a mhàin ann an Albainn ach feadh nan eileanan Breatuunach air fad. A bhàrr air na fòglumaidean air son teagaisg Criosduidh a phlanntaich iad an Eirinn a bha aig an àm ud ’na fìor rìoghachd Ghàidhealaich, bha aon aca mar an ceudna aig Bangor ann an Uales an Sasunn “Air son craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil ann an Sasunn;” a thuille air na bh’aca aig I-chalum-chille air son Albainn. Is fiach e mar an ceudna a thoirt fainear gu’m b’iad so na h’aon mheadhonan do’n-t-seòrsa a bha ri fhaotaìnn anns na làithibh ud. Cha ’n ’eil e cosmhuil gu ’n robh aon do na cinnich eile air an àirde cheudna a ruigheachd ann an nithibh feumail na beatha; agus gheibh sinn gur h-ann anns na ceàrnaibh do ’n dùthaich anns an robh na clanna Gàidhealach is Cumriach, mar tha Uales, Cornuel, agus Northumbria anns an taobh deas, a’ Ghàidhealtachd is Eirinn anns an taobh tuath, a bha na h-Eaglaisean Breatunnach air am planntachadh air tùs; agus is ann o na ceàrnaibh so a chaidh Turusaich is Fir-theagaisg a mach a shoillseachadh ionadan dorcha na tìre, is cha ’n ann a mhàin an so, ach a sgaoileadh eòlas fìrinn Dé thairis air a’ mhòr chuid do mhòrthir na h-Eòrpa, o chladach Bhrittanie gu mullaichean sneachda nan Alpa. Cha deachaidh eachdraidh a’ chinnich Ghàidhealaich a sgrìobhadh gu ceart fathast; agus ma thèid a chaoidh a sgrìobhadh gu cothromach is gu fìrinneach chithear gu ’n airidh iad air clìù fada o ’n chliù sin a bha iad [TD 70] a’ faotainn o cheann bliadhna no dha: chithear gu ’m b’ iad aon uair a’ chuid a b’ uaisle agus a bu thuigsiche do shluagh na tire so, a bha air thoiseach an grinneas làmh, cho math agus an gnìomh lann, ’nam muim’-altruim air litireachd agus air an diadhachd, ’nam fir-leagaidh bunait agus ’nam fir-àraich air a’ cheud eaglais, cho math agus ’nam bàbhuinn shònruichte do na treubhan Breatunnach an aghaidh ionnsuidhean cealgach is iodhal-aorach Eaglais na Roimh. Agus ged tha iad air tuiteam air an ais ann an tomhas o ’n t-seasamh a bha aca aon uair mar shluagh troimh bhuaidh na Pàpanachd is troimh chumhachd fòirneartach laghan coigreach, gidheadh tha iad fathast a’ taisbeanadh cuid do na buadhaibh ud a rinn ainmeil iad anns na làithibh math ud nach ’eil ni ’s mò. Ri àm cunnairt Shasuinn cha b’ ann aon uair a nochd iad a’ mhisneachd àrd inntinneil sin a tha lasrach ’nan cridheacha, agus an fhuil euchdail sin a tha a’ struthadh ’n an cuislibh. Air còmhnarda Mhaida, fo sgàile carraighean àrda na h-Eiphit, air raon iomraiteach Bhaterloo, no cur séisd ri mullaichean Alma, no dian-ruith a dhioladh fuil an luchd-dùthcha air treubhan borb brùideil Hindostan, dhearbh iad gu ’m b’ iad fir-dhìon a bu tréine a bh ’aig Breatunn air a cliù, agus gu ’m b’ iad làmh dheas a neirt: gidheadh ’s iad so na daoine a tha air am fògradh air falbh o dhachaidhean an sinnsreachd a thoirt cothroim do ’n fhear-fhearainn lonach agus do ’n airgiodaiche chruaidh chìocrach an tuathanachais a chur fàs fo armailt chaorach agus cothrom cluiche air cleasachd ruith fhiadh a thoirt do uaislean fasanta an taobh deis. Thubhairt sinn gu leòir, theagamh, air a’ chuspair so; co-dhiù cha ’n abair sinn tuille air eagal gu ’m bitheadh sinn air ar buaireadh gu cainnt a chleachdamh nach biodh taitneach do chluasan modhail. Bheireadh sibh fainear gu ’n robh eaglaisean Bhreatuinn fathast an seilbh air an t-soisgeul, agus gu ’n robh an fhìrinn a’ faotainn buaidh am measg mòr-mheall an t-sluaigh troimh shaothair shoisgeulaich nan Cùildeach agus nan turusach dùthchasach á I-chalum-chille. Ach gu mi-fhortanach do ’n tìr cha do lean an leithide sud do nithe fada. Thàinig Eaglais na Ròimh, ’na réis féin-ghlòir mhi-naomh, a steach a chur stad air an deadh obair a bha dol air a h-aghaidh. [Air so chaidh leatha car tacan; ach leis an Ath-leasachadh dh’ éirich grian an t-soisgeil a rìs; agus an lomnochd a nàire chunncas droch ghnìomha, droch bheus, is iodhal-aoraidh na Pàpanachd ’g am folach féin, agus nach faigheadh iad fasgadh ’n ar tìr.] AN AITHNE NUADH. Thàinig an t-Ard-easbuig Usher aon uair air chuaìrt do Albainn. Chual e iomradh mòr air dìlseachd is air diadhachd Shamueil Rutherford. Thuig e gu ’n robh e ’n a chleachdamh aig Rutherford a bhi ag caitheamh oidhcheachan ann an ùrnuigh; gu ’n robh gu sònruichte oidhche Dhi-sathuirne air a cur air leth aige gu bhi ag ùrnuigh aig cathair gràis. Bha mòr dhéidh aig an Easbuig air gu ’n cluinneadh e Rutherford ’s an uaigneas a’ tagradh ris an Fhear-thagraidh, ach cha robh fios aige de mar [TD 71] a ghabhadh am miann so bhi air a riarachadh. Ma dheireadh smuainich e gu ’n eudachadh e e-féin ann an deise dioldéirce; agus air feasgar Di-sathuirne an uair a thuiteadh an oidhche, gu ’m bualadh e gu tigh Rutherfoird; agus gu ’n iarradh e cuid oidhche orra o ’n bha e cho anmoch ’s nach b’urrainn e nis dol ni b’ fhaide. Dheònaich Rutherford leaba a thoirt do ’n déirceach bhochd, agus dh’ iarr e air suidhe ’s a’ Chidsin, ni a rinn an turusach gu taingeil toilichte. Bha e ’na dhleasnas riaghailteach aig Mrs Rutherford na searbhantan a ghairm air oidhche Di-sathuirne agus an ceasnachadh a los an inntinnean ullachadh air son seirbheis na Sàbaid. Ann an cuairt a ceisteachaidh air an fheasgar so dh’ fheòraich i d’ an choigreach a bha ’na shuidhe ’s a’ chidsin, cia lion àithne bh’ ann? Dh’ fhreagair esan gu ’n robh aon deug. Air dhise an fhreagairt so fhaotainn thuirt i, “Mo nàire ort fein, sean duine le folt liath, beò ann an tìr chrìosduidh, agus gun fios agad cia lion àithne th ’ann! Cha ’n ’eil leanabh mu shé bliadhna dh’ aois ’s an sgìreachd nach urrainn a’ cheist a chuir mi ort fhuasgladh gu cothromach glan.” Cha do chuir i dragh tuille air an déirceach bhochd a thaobh cho ain-eolach ’s a bha e. ’N a éisdeachd fein thug i rabhadh no dhà do na searbhantan mu chor truagh an t-seann duine. Air dhi a shuipeir a thoirt dha, dh’òrduich i do aon do na searbhantan a threòireachadh suas an staidhir agus leaba thoirt dha ’s an t-seòmar mhullaich. Thachair gu ’m b ’e so an t-aon àite ’s am bu mhiann le Usher beannaichte a bhi, chum gu ’n cluinneadh e ni b’ fheàrr Rutherford diadhaidh ’s an uaigneas. Gidheadh bha e air a mhealladh; oir chaidh Rutherford an oidhche so a luidhe, ged nach do choidil e ré ùine fhada. Cha deach Usher do ’n leabaidh idir, shuidh e faisg air dorus an t-seòmair an dùil gach mionaid gu ’n cluinneadh e Rutherford an ceann na h-ùrnuigh. Ach air do ’n Easbuig a nis a chodhunadh gu ’n robh an tigh ma thàmh, agus an teaghlach ’n an suain gu léir, smuainich e air dha bhi nis a réir coslais nach cluinneadh e Rutherford a’ dòrtadh a chridhe mach an làthair ATHAR, gu ’n deanadh e-féin a dhleasnas ’s an uaigneas r’ a Dhia. Thòisich Usher air ùrnuigh, agus fhuair e leithid do shaorsa agus do fharsuinneachd cridhe aig cathair gràis, gusfadheòidh an cuala Rutherford e. Dh’ éirich e, chuir e uime a chuid eudaich, agus chaidh gu sèamh suas an staidhir a dh’ éisdeachd ris an fhear a bha ag ùrnuigh. Ged dhùisgeadh Mrs Rutherford cha saoileadh i ni ’s am bith neo-àbhuisteach de so, oir bha e ’na chleachdamh cumanta aig a’ mhinisteir bhi ag éirigh gach maduinn aig tri uairean; agus ged chluinneadh i duine ag ùrnuigh shaoileadh i gur h-e féin a bhitheadh ann. An uair a ràinig Rutherford dorus an t-seòmair-mhullaich sheas e ag éisdeachd gus an do chrìochnaich an déirceach an ùrnuigh. Bhuail e an dorus, dh’ fhosgail an coigreach dha le mòr ioghnadh gu ’n robh neach air bith ag éisdeachd risan, no ag iarraidh a steach d’ a sheòmar aig an àm ud a dh’ oidhche. Ghlac Rutherford air làimh e, ag ràdh ris, “A charaid, tha mi dearbhta às nach urrainn gur tu neach ’s am bith eile ach an t-Ard-easbuig Usher; feumaidh tu gu cinnteach searmonachadh an diugh air mo shon-sa; oir is i nis maduinn na Sàbaid a th’ ann.” Dh’ aidich an t-Easbuig cò e, agus air dha aobhar a thuruis innseadh do Rutherford, thuirt e gu ’n searmonai- [TD 72] cheadh e air a shon, air chumha nach leigeadh e ris cò e. Bu sona an t-aonadh anman a bha aig an dithis dhiadhairean cliùiteach so ann an caidreamh teas-ghràdh d’ a chéile, ged bha iad tur dhealuichte o chéile ’nam beachd mu riaghladh eaglais Chriosd. Thug Rutherford do Usher deise d’ a eudach féin, agus moch ’s a’ mhaduinn chaidh an t-Easbuig a mach do ’n achadh a bheachd-smuainteachadh. Ann an ùine gheàrr lean Rutherford e, agus thug e steach e mar mhinisteir coigreach a bha a’ gabhail na slighe, agus a gheal searmonachadh air a shon. An uair a dh’ éirich Mrs Rutherford chunnàic i gu ’n do ghabh an déirceach ain-eolach bochd a thurus mu ’n deachaidh an tigh air ghluasad. Air do gach ni bhi seachad, chaìdh an teaghlach do ’n eaglais. Ghabh am ministeir ùr mar a cheann-teagaisg; Eoin xiii. 34,—“Aithne nuadh tha mi toirt dhuibh, Gu ’n gràdhaich sibh a chéile.” Bha ’m bonn-teagaisg so ro fhreagarrach air son an ama. Air dha bhi a’ labhairt thug e fainear, gu ’m feudtadh an t-aonamh àithne deug a ràdh rithe so. Ghlac so aire Mhrs Rutherford, agus thuirt i innte fein, “sin a’ cheart ni a thuirt an duine bochd rium an raoir.” Agus air dhi amharc suas ris a’ chrannaig, thuirt, i rithe fein, “am bheil e comasach gur h-e so an duine.” An déigh na seirbhis chaith an coigreach agus Rutherford an ùine le chéile ann an co-chomunn blàth beatha na diadhachd. Dh ’éirich Usher moch ’s a’ mhaduinn Di-luain agus air dha an sean trusgan suarach a chuir uime, ghabh e a thurus, gu ’n e féin a dheanamh aithnichte do dhuine, ach do Rutherford. E. M. L. LITIR MHARTIN LUTHEIR THUN IAIN BHIG A MHAC. Gràs agus sìth ann an Iosa Criosd gu’n robh dhint a Leinibh ghràdhaich! Tha e toirt mòr thoileachaidh dhomh fhaicinn gu’m bheil thu ag ionnsachadh gu math agus gu’m bheil thu cùramach mu ùrnuigh. Lean air t’aghaidh mo dheadh bhalachan! agus an uair a philleas mise dhachaidh bheir mi a d’ ionnsuidh rudan lurach. Is aithne dhomh gàradh grianach bòidheach a tha làn do chloinn air an éideadh le trusgain òir, agus a’ cleasachd fo na craobhaibh le peuraibh, le ùbhlan agus le cnothan prìseil. Tha iad a’ seinn, a’ leum, agus làn aighir. Tha ann, mar an ceudna, eich bheaga lurach le sriantan òir agus dìolaidean airgid. Air dhomh bhi dol troimh ’n ghàradh dh’ fheòraich mi do aon ciod bu bhrìgh do na nithe sinn? agus cò chlann a bh’ ann? Fhreagair e gu’m b’ iad so a’ chlann aig an robh tlachd ann an ùrnuigh, agus ann an ionnsachadh, agus a bha ’nan cloinn mhath agus dhiadhaidh. Thuirt mi ris, A charaid ionmhuinn, tha balachan beag agamsa mar an ceudna; is e ’ainm Iain Beag Lùther; nach fheud esan cuideachd tighinn do ’n àite so, a dh’ itheadh do na h-ùbhlan agus do na peuran lurach sin, a mharcachd air na h-eich bhòidheach sin, agus a chluicheadh leis a’ chloinn uile? Fhreagair an duine, Ma tha do bhalachan, do bhalachan gràdhach Iain Beag Lùther glic, ma ’s toigh leis ùrnuigh agus ionnsachadh, feudaidh e tighinn, agus mar an ceudna Philip agus Seumas beag (clann [TD 73] Mhelancton) a thoirt leis. Gheiblh e ’s an àite so feadain, fìdeagan, agus drumachan gu a thoil maille ri iomadh inneal-ciùil eile. Bidh iad toilinntinneach le dannsa, falach-fead, agus cur thoimhseagan; ach cha robh ann ach a’ mhaduinn, agus cha do ghabh a’ chlann am biadh-maidne (breakfast) fathast; agus cha d’ fhan mi ach gus an do thòisich an dannsa. An sin thuirt mi ris an duine, A charaid ionmhuinn, tha romham sgrìobhadh air ball thun m’ Iain bhig ghràdhaich, agus their mi ris a bhi ’na bhalachan math, a bhi ’g ùrnuigh, agur a bhi ’na sgoìlear math a chum ’s gu’m faigh e stigh do ’n ghàradh so. Tha piuthar bheag aige d’ an ainm Madeline d’ am bheil gràdh mòr aige. Am feud e ise thoirt leis? Feudaidh; fhreagair an duine; thigeadh iad còmhla. Bi glic, ma ta, mo dheadh bhalachan; abair ri Philip agus ri Seumas cuideachd a bhi math; agus gheibh sibh air fad cead tighinn do’n ghàradh agus cluiche ann. Tha mi fàgail mo bhalachain chaoimh air cùram Dhé. Cuir fàilt air Madeline agus pòg i air mo shon-sa. T’Athair gràdhach, Martin Lùther. Ead. le G. M. F. June 19, 1530. ORAID. A LABHAIR AN T-EASPUIG STROSMAYER AN ANN ARD-CHOMHAIRLE NA H-EAGLAIS PHAPANAICH ’SA’ BHLIADHNA, 1870. Athraichean aosmhor agus a bhràithrean—Is ann le sgàth airson mo laigse, gidheadh tha mo choi’seas saor agus ann an sìth rium, mar sin ann an làthair an Dé bheò a tha ’nis a sealltuinn orm, ni mi mo ghuth a thogail ann am meadhon na coinneamh mhòr so. On a shuidh mi leibh an so, lean mi le mòr aire gach oraid a chaidh a labhairt, agus bha mi a guidhe gu dùrachdach gu’n soillsicheadh gath soluis ’o néamh a staigh air sùilean mo thuigse, air chor a’s gu’m bithinn comasach air breith a thoirt air cùisean a thig fo bhreith na cùirt mhòr so, agus gu’m bithinn air mo dheanadh làn-fhiosrach air gach nì dhiubh fa leath. Mar so, le m’ inntinn air a gluasad gu h-iomlan mu’n dleasnas mhòr a tha agam ri dheanadh, agus o’n agair Dia cunntas orm,—thòisich mi air rannsachadh le mòr aire sgriobhaidhean an t-seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh, agus dh’fhhiosraich mi de na caraidhean aosmhor so, leigeil ris domh am bheil ant-àrdshagart ris an abair sinn “AM PAPA NAOMH” a tha na shuidhe air ard-chathair na cùirt mhor so, gu fìrinneach na fhear-ionaid an abstoil Peadar—a sheasamh an àit’ Iosa Crìosd, agus na lèigh neo-lochdach do’n Eaglais. A chum a cheist chudthromach so a fhreagairt b’ fheudar dhomh gach beachd de ’n t-seorsa so a chaidh a liobhairt do ’n t-sluagh air ùghdaras dhaoine amhàin, a thilgeil a thaoibh, agus m’ inntinn a ghiùlan air m’ ais le léus na fìrinn am laimh, gus an-ruig mi ’n t-àm anns nach robh aig an Eaglais mar luchd-teagaisg agus mar luchd-riaghlaidh ach na h-abstoil [TD 74] Pòl, Peadar, Seumas, agus Eoin,—’Sann doibh so is éigin dhuinn uile géilleadh, oir cha ’n urrain sinn an ùghdaras a chur an teagamh, mar cuir sinn air chùl an leabhar naomh a tha mu ’m choinneamh agus gach ni a tha e teagasg dhuinn, agus thug àrd-chomhairle na h-Eaglais a shuidh ann an Trent am beachd dhuinn gur h-ann a tha gach riaghailt a thaobh creideamh agus dleasnas. Dh’fhosgail mi agus rannsaich mi an Leabhar naomh so, agus ge d’ is dàna dhomh a chur an céill anns an àite ’sa bheil mi ’labhairt, ’s fheudar domh a ràdh,—cha d’fhuair mi aon fhocal ann dlu dha, no cosmhail ri dearbhadh a chur air beachd nam pàpanach ro-eudmhor. ’Sann le mòr ioghnadh a thug mi fa near nach robh iomradh an linn nan abstoil air a Phàpa ’bhi na fhear-ionaid do Pheadar agus na sheirbhiseach do Iosa Crìosd, cha’n’eil còir aig a Phàpa a ràdh gu’r h-esan seirbheiseach Iosa Criosd nis motha na h-aige còir air a ràdh gu’r h-e seirbheiseach Mhahomed, nach robh idir beò ’san àm sin. Ach their thusa Ard-Easpuig MANNING gu bheil mi labhairt toibheum, agus their an T-Easpuig PIE,* gu bheil mi as mo chéill, cha’n’eil aon chuid a labhairt toibheum no as mo chéill. Anis an deidh dhomh an Tiomna Nuadh uile a rannsachadh, tha mi gu follaiseach a cur an céill, ’an làthair Dhé, le m’ laimh air a togail ris a chrann-chéusaidh mhòr so, ag ràdh nach d’ fhuair mi ann freumh na pàpanachd mar a tha i air a teagasg dhuinn aig an àm so. Na diultaibh éisdeachd rium a bhraithrean, no le monmhor agus le bachdadh na d’thugaibh mar so, dearbhadh do ’ur namhaidean a their nach éisd sibh ri briathran sam bith a thig an aghaidh bhur beachd-sa, -ma ni sibh mar so tàir air braithrean aon sam bith de na bràithrean, cuimhnichibh gu bheil suilean an t-saoghail a sealltuinn air gach ni a their ’sa ni sibh, agus bheir gach doigh mhì-riaghailteach agus eucorach an t àrd-chomhairle so gu bhi na masladh do ’ur n-Eaglais, ma’s miann leinn a bhi measail ’s còir dhuinn gluasad a réir riaghailtean ceartais agus na saorsa. Tha mi toirt buidheachas do ’n àrd-urramach Dupanloup airson gu ’n do ghog e cheann a leigeil fhaicinn domh gu bheil e toileach éisdeachd rium, tha so a toirt misneach dhomh, ’s theid mi air m’ aghaidh. Air dhomh na Leabhraichean naomh a leughadh le aire agus leis gach comas a thug an Tighearna dhomh, cha d’ fhuair mi aon chaibideil, no aon rann beag, a tha ’g innse dhuinn gu ’n d’ thug Iosa Crìosd aona chuid còir no barrantas do ’n abstol Peadar e bhi na mhaigheisteir os ceann nan Abstol a bha ’saothrachadh maille ris. Ma bha Simon Mac Ionais mar a tha sinne ’creidsin, a tha Pius an Naoi ’s an latha so, is iongantach nach d’thuirt Iosa ris, ’Nuair a theid mise ’suas gu m’ athair, ’s còir dhuibh uile géill a thoirt do Shìmon Peadar, mar a thug sibh dhomhsa, oir tha mi ga steidheachadh a’m àite, air an talamh so. Cha ’n e ’mhàin gu bheil Crìosd tosdach air a phuing so, ach tha e leigeil fhaicin dhuin cho beag toil ’sa tha aìge air ceann a thoirt do ’n Eaglais, ’nuair a tha e ’gealltuin Cathraichean da dheisciobuil gu breith * In one edition it is Pie, and in another Fie. [TD 75] a thoirt air dà threubh dheug Chloinn Israel (Matt. xix. 28) tha e gealltuinn doibh dhà dheug, aon airson gach abstol, ’s cha d’thuirt e gu’m biodh aon dhiu os ceann chàich, no gu ’m b’i sin cathair Pheadair, gu cinnteach nam be thoil gum biodh a chuis mar sin, theireadh e sin. Ciod a their sinne mun tosdachd so? Tha reusan ag innse dhuinn nach bu toil le Iosa gu’m biodh Peadar na cheann air Taigh Oileanachaidh nan Abstoil. EAD. LE N. C. LITIR A BAILE-BHOID. A Shàir Chaoimh,—Is fad o’n bha dùil agam fios a chur thugaibh mu mi ni no dhà; ach tha daoine anns an là a th’ ann an diugh ’na leithid a dheifir gus nach fhaigh iad ùine labhairt ris na càirdean féin le socair. Anns an t-saoghal a th’ann tha gach ni air a ghearradh cho glan air gach taobh dhiot gas nach gléidh thu do bhuinn mur ’eil thu faicilleach; feumaidh tu a bhàrr air sin falbh an deifir air neo bheir am fear a tha ’d’ dhéigh cùl nan cas dhiot, agus caillidh tu t’ àite am measg do chompanach maille ri duais réis na beatha ta làthair. A rìs ged tha e fìor gu’m feud an duine glic saoithreach airgiod a dheanamh agus a chaomhnadh, gidheadh tha e cho fìor nach urrainn duine sealltuinn deas no tuath, an ear no an iar ach a dheanamh airgid. Am fear a chuireas a làmh ri ni ’sam bith nach urrainnear a chruth-atharrachadh gu òr gheibh se e féin air dheireadh; gheibh e a chòta a’ fàs lom agus a shuipeir tana. Ri linn ar n-aithriche gheibhteadh boinicich mhòr bhalach ’g an cluiche féin gu dìomhain o bhaile gu baile. Cha’n’eil ioghnadh ’sam bith orm féin ged bha na Gàidheil a dh’ fhalbh àrd-inntinneil ’n an uaill, laidìr an greim, is euchdail an cath; cha’n’eil ìoghnadh orm gu dearbh ged bha iad mear, luath-ghàireach is sona ’n an dòigh féin, a chionn agus nach robh iad air an cnàmh ás le obair mar tha sinne ’n ar n-òige. Cha bhiodh iad an dara leth do ’n bhliadhna a’ deanamh stuth ach ’nan sìneadh agus ’nan slaod air na bruachan sgrath a bhiodh aca taobh na cagailt no an cùl-na-mònadh, a’ cur thoimhseagan, a’ seinn ranntachd, no ag éisdeachd sgeulachdan! Bha fois agus sonas do sheòrsa àraidh a’ tighinn ’n a chois so gun teagamh. Ach dh’ fhalbh na làithean socrach ud; agus air mo shon féin cha’n’eil caoidh ’sam bith agam orra. Ged bhios sinne sgìth, air ar claoidh le saothair ghoirt do dh’ ioma seòrsa, agus a gheibh sinn ar léintean fliuch air ar druim, cha ’n ann a’ ruith an fhéidh le spòrs, ach le fallas ionracais na h-obhair chruaidh, gidheadh tha sinn sona, toilichte leis na nithe a th’ againn, beag agus mar bhios an ùine a ’s urrainn dhuinn a chaomhnadh air son sgeulachdan agus nithe leth-eideachail do ’n t-seòrsa sin. Tha fhios againn gur h-e an dàn ceart d’ar taobh gu’n itheadh sinn ar n-aran le fallas ar gnùis; agus cha’n’eil teagamh ’sam bith agam féin nach e so am biadh a’s milse air a’ cheann mu dheireadh. Cha ’n fhada gus am bi am baile so againne làn do choigrich mar is àbhuist da ’san t-samhradh. Cha’n’eil mi-féin an so ach air chuairt glé ghoirid, ach tha mi deanamh gach feum a ’s urrainn mi do m’ shùilean fhad ’s a dh’ fhanas mi. Air dhomh a bhi a’ m’ Dheadh Theampullach [TD 76] fhuair mi eòlas air ball air àireamh nach beag ’s a’ bhaile. Tha an comunn so ro làidir agus ro eudmhor ann am baile Bhòid; agus gu dearbh tha feum air gach ni’ a ’s urrainn iad a dheanamh. ’Se an ni a ’s gràinealacha a chunnaic mi riamh na bheil do luchd-daoraich a’ tighinn do ’n bhaile le bàta Dhi-Dòmhnuich a nuas á Glaschu air là na Sàbaid. ’Se chuir gu bheil Dia fad-fhulangach nach ’eil na tuinn a’ slugadh a’ bhàta ud le a gràisg mhi-naomha thoibheumach. Chuala mi mu aon do na bàtan-Sàbaid so a bha ruith air Cluaidh o cheann beagan bhliadhnachan gu ’n robh maithean baile Ghlaschu a’ cur stad oirre. ’Nuair a chunnaic am Maighstir aice sin, “O,” ars’ esan, “théid mise gu amhuinn Lunnuinn far am faigh mi obair-Shàbaid agus nach grabar mi.” Dh’ fhalbh e ach cha d’ thàinig sgeul air féin no oirre-se bhàrr cuain fathast! Fhuair e féin agus a shoitheach-smùid leaba an doimhneachd a’ chuain! Ach am measg nan Deadh Theampullach cha’n’eil neach a ’s déine a tha ag oibreachadh na an t-Urr. U. Ros, ministeir na h-Eaglais Shaoir Ghàilig. Troimhesan dh’ fhàs na Deadh Theampullaich ro neartmhor. Tha mi faotainn nach ’eil gluasad math feadh a’ Bhaile nach ’eil air a chuideachadh le Mr Ros. ’S ann fo a ríaghladh a tha na coinneamhan soisgeulach air an giùlan air an aghaidh. Cha’n’eil comunn, no coinneamh, no gluasad feadh a’ bhaile anns nach fhaigh thu a làmh. Tha e cridheil, faoilidh, caoimhneil, ris gach neach a thachras air co-dhiù is Goill no Gàidheil iad. Mar so tha buaidh iongantach aige feadh a’ bhaile air fad. Tha e rithis ’na dhuine is ’na dhithis aig Cléirean is aig Seanaidhean; ag amharc ás déigh sgoilean Gàidhleach is Cheisteirean eadar so Dùnéideann, agus na h-Eileana Tuathach! ’Se tha cur an ioghnaidh orm gu dé mar a tha e faotainn ùine air a’ h-uile ni; ’nuair a tha daoine eile agus làn an saic aca ’n an obair féin. Ach bha mi dol a ràdh mu na coinneamhan Soisgeulach gu ’m bheil òganaich á Glaschu a’ tighinn a nuas a nis agus a rìs a thoirt cuideachaidh. Uapa so tha sinn a’ faotainn sgeulachdan iongantach air an obair a tha dol air a h-aghaidh an Glaschu. Cha mhòr nach abradh duine nach ’eil aca do Shoisgeul ach deanadais Mhoody is Shankey. Cha’n’eil teagamh agam féin nach ’èil mòran math air a dheanamh a dh’ aindeoin na bheil do ghnothuichean iongantach neo-thimchioll-gheàirrte mu ’n cuairt orra. So ni a tha mi toirt fainear nach ’eil e idir cho soirbh toirt air a’ Ghàidheal creidsinn gu ’n deachaidh t’ iompachadh ’s a tha e air a’ Ghall. Abair ris a’ Ghall gu ’n d’ fhuair thu sìth agus gu ’m bheil thu creidsinn, agus cha’n’eil tuille aige mu ’n chùis; tha e ’gad ghabhail air t’ fhocal. An àite sin ’s ann a thòisicheas an Gàidheal gu h-amharusach air mìneachadh dhuit mar a bhios cuid a’ faotainn sìth mheallta, agus gu ’m bu mhaith leis féin toraidhean fhaicinn nach ’eil mòran do luchd-aideachaidh an là a’ taisbeanadh. Gu ’m bheil eagal air gu bheil mòran ann a dh’ iompaicheas iad féin gun ghràs idir, mar a thogras iad féin; nach d’ fhuair siad iad féin fathast ann an ifrinn anama mar a fhuair an Salmadair, no ann an slochd na Mì-mhisnich. Ach theagamh gu ’m faigh mi rudeigin a ràdh mu ’n chùis so a ris; tha mi an dràsd a’ falbh Tuath rathad Inner-pheotharan gus na tobraichean. Ma ruigeas mi slàn agus gu ’m faigh mi mo shlàinte cluinnidh sibh uam gu goirid. TURUSACH. [TD 77] ARAN BRISTE. Is e Dia tùs nan uile. Tha toiseach aig gach ni ach aig Dia. Is i subhailc a ’s maisiche do na h-uile. Is i dubhailc a ’s sgriosaile do na h-uile. Is i smuain a ’s luaithe do na h-uile. Is e dòchas a ’s coitcheanna do na h-uile. Ullaich fa chomhair an latha fhliuch. Chì an duine ocrach fad ás. Tha aon uair ’sa’ mhaduinn ni ’s feàrr na dhà ’san oidhche. A’ mhaduinn air son obair, am feasgar air son beachd-smuaineachaidh. Anns an oidhche tha nàdur ann an dubh a’ gul call na gréine. Rach a luidhe leis an uan agus éirich leis an uiseig. Na cumadh itheadh is òl thu o smuain. Is annamh a bhios aithreachas oirnn gu ’n d’ ith sinn tuille ’s beag. Gléidh an ceann fuar agus na casan blàth. An urrainn duine ’s am bith a bhi fìrinneach ann am mòran, a tha feallsa ann am beagan? Tha Dia a’ tarruing sgrìoban dìreach, ach tha sinne a’ smuaineachadh orra agus their sinn gu’m bheil iad cam. Tha comhfhurtachdan agus gearain an duine dhiadhaidh air am folach o’n t-saoghal. Cha robh neach riamh cho mhath is cho mhòr, ’s gu’n robh e os ceann thrioblaidean. Bha ar Tighearn E-féin “’na dhuine dhoilghiosan.” Tha barrachd cionnt ann a bhi neo-aithreachail air son peacaidh ’n uair pheacaicheas sinn, na th’ ann am peacachadh an toiseach. Tha àicheadh, mar a rinn Peadar, dona; ach, air dhuinn àicheadh, tha e ni ’s miosa gun ghul gu gort, mar a rinn esan. Is e an ni a’s faigse a thig do riaghladh Dhé oirnn le a Spiorad, comhairle is misneachadh chàirdean subhailceach is tuigseach; o so gheibh sinn an còmhnadh a ’s feumaile ann an uair a’ bhuairidh, agus ann an cùrsa an dleasannais. Bhiodh e cho reusonta a smuaineachadh gu’m fanadh an duine ocrach o’n bhiadh, no an duine tartmhor o’n deoch, agus gu’m fanadh an Criosduidh o ùrnuigh. Is e ùrnuigh an anail air am bheil an Criosduidh beò, agus o’m bheil e tarruing a chumhachd, a ghluasad, is a thaitneas. Tha fàs ann an gràs ’g a fhoillseachadh féin troimh bharrachd simplidheachd ann an caithe-beatha. Bidh tuille feum ann is ni ’s lugha a dh’ fhuaim; tuille anmhuinneachd cogais, is ni ’s lugha a dh’ amharus: bidh tuille sìth ann, tuille irioslachd: ’n uair a tha an làn arbhar anns an dèis, cromaidh e a sìos do bhrìgh agus gu ’m bheil e làn. ’Nuair a tha an Tighearna ’gar n-iomain o aon fhois anns a’ chreutair tha sinn air ball a’ dol air spiris aoin eile, ach cha leig e dhuinn socrachadh fada air aon air bith! Fa-dheòidh, cosmhuil ris an eun, tha sinn a’ tuigsinn nach urrainn dìon, no sìth dhaingeann a bhi againn a bhos; an sin tha ar cridheachan a’ dol air iteig, agus ag éirich an àird gu nèamh, agus tha a ghràs a’ teagasg dhuinn ar n-ionmhas agus ar n-aignidhean a shuidheachadh shuas os ceann nithe caochlaideach. [TD 78] BEACHD CHOUPEIR MU ’N BHAS. “Cha’n’eil tuilleadh agam r’a ràdh,” deir Couper am bàrd ann an aon d’a litrichibh ach so, “ma cheaduicheas Dia dhomh amharc le comhfhurtachd air a’ bhàs, ni taing do Dhia a ’s urrainn domh a dheanamh air uairibh, cha’n’eil mi a’ gabhail beachd air a’ bhàs o mhullach beinn àrd m’ oibrean agus mo thoillteanais féin, ged is e Dia m’ fhianuis gur h-i crìoch mo bheatha a ghnath coguis neo-lochdach a bhi agam a thaobh Dhé.” “Bhitheadh am bàs an còmhnuidh ’na ni uamhasach dhomh, mur bhitheadh gu ’m bheil mi a’ faicinn gu ’n do chaill e an gath, an uair a rinn Criosd a chorp féin ’n a thruaill do ghath a’ bhais.” “O bhàis, c’àit am bheil do ghath? O uaigh, c’ait am bheil do bhuaidh? Is e am peacadh gath a’ bhais; agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: Ach buidheachas do Dhia, a tha toirt dhuinne na buadha tre ar Tighearna Iosa Criosd.” 1 Cor. xv. 55. OILEANAICH GHAIDHEALACH. Dh’ iarramaid a bhi cur fàilt air ar caraid ionmhuinn Mr Iain Mac Aoidh, M.A., air son a’ chliù onoraich a tha e air fhaotainn dha féin agus troimh sin a tha e cur air oileanaich a dhùthcha. Aig a’ cheasnachadh an àm fàgail Oilthigh na h-Eaglais Shaoir an Glaschu b’ e an ceud neach—bha e air thoiseach air Goill agus Gàidheil threuna a bha feuchainn maille ris. Fhuair e mar sin an geall a bu mhò, ceud agus dà phunnd deug Sasunnach (£112) a gheibh e dà bhliadhna. ’Na fhaotainn so cha ’n ’eil Mr Mac Aoidh cosmhuil ris na cnuimhean leabhar nach do chuir an làmh ri ni ’sam bith riamh ach o bhi ’gan sacachadh féin le fòghlum nach dean, dh’ fheudte, mòran feum dhoibh féin no do mhuinntir eile. Cha’n ann mar so a thachair do Mhr. Mac Aoidh; tha e cheana ’na fhear-labhairt ealanta, agus ’na shearmonaiche comasach. Ann an Dùn-éideann bha Gàidheal eile a sheas gun taing cho àrd, Mr Macillemhàrtainn ás an eilean Sgiathanach. ’Siad Gàidheil a tha anns na h-oileanaich a’s ainmeile a tha an dràsd ann an Glaschu: Mr D. Mac Ciachan, Mr A. S. Mac-a-phì, Mr D. Dùghlach, agus Mr Cailein Caimbeul. Còmhla ri Mr Mac Aoidh tha dhà eile a tha a’ crìochnachadh an ionnsachaidh mar an ceudna, a tha ’nan luchd-labhairt fhileanta chleachdail anns dà chainnt—anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàilig. ’S iad so Mr Iain S. Mac Néill, agus Mr Iain R. Mac Néill, a rinn còmhla ri Mr Mac Aoidh còmhnadh treun agus feumail do ’n Bhrataich. Sgrìobh agus dh’ eadar-theangaich iad cuid do na nithe a ’s feàrr a thàinig a mach innte. Mar chomain cheart tha e saor leinn so ainmeachadh. ’Nan dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil a nis feudaidh sinn cinnteachd a thoirt do ’n mhuinntir a dh’ ionnsuidh an téid iad gu ’m faigh iad na trì càirdean so cha’n e mhàin tarbhach ’s an diadhachd ach mar an ceudna ro fhallan anns a’ chreideamh. Cha ghlacar iad anns a’ cheò a thig o’n chuan Ghearmailteach, no ann an coille Armeniach. Tha a’ Ghàidhealtachd fo chomain do ’n Urr. Mr Cameron, Rentoin, air son na rinn e a theagasg nan oileanach Gàidhealach ’nan cainnt [TD 79] mhàthrail. Tha mu ’n cuairt air deich thar fhichead do oileanaich Ghàidhealach ag ionnsachadh “snaim-cheangal agus freumh-chur” na Gàilig uaithe gach bliadhna. Aig a’ cheasnachadh aig deireadh an t-seisein am bliadhna bha na Gill (Prizes) a leanas air an toirt seachad: AN CEUD BHUIDHEANN. Mr Niall Mac Néill (£20), eadar dà bhliadhna, Iara-Ghàidheal. Mr Iain S. Mac Néill (£4), Iara-Ghàidheal. Mr Dùgall Mac Carmaic (£3), do. Mr Murachadh Moireastan (£3), Siorrachd Rois. Mr Iain R. Mac Néill (£2), do. AN DARA BUIDHEANN. Mr Donnachadh Macillemhoire (£10), Iara-Ghàidheal. Mr Iain Mac Ruairidh (£4), Ionar-Nis. Mr Gilleaspuig Mac Thàmhais (£3), Iara-Ghàidheal. Mr Donnachadh Mac Rath, M.A. (£3), Ionar-Nis. Rinn an fheadhain a leanas gu math ged nach do ràinig iad air gill: Mrn. U. Mac Ionmhuinn, Mac Aonghais, Mac Colla, M.A., Grannt, is Mac Aoidh. AN T-IONMHAS SPIORADAIL. (Air leantuinn.) O ’n is miannach leibh malairt co-dhiù, O rachaibh d’a chùirt-thigh féin; Is iarraibh sgrìobhadh o ’n Mhac Is rachaibh do ’n bhanc gu trèin; Is gheibh sibh o’n Athair gu luath Gu toileach a luach ’s an còrr; O ’n tha sibh a’ malairt r’a Mhac Feuch gheibh sibh le tlachd an t-òr. Tha stòras gun chùnntas gun chrìoch An tasgaidh aig Dia ’na Mhac, Fa chomhair an dream tha toirt gràidh Do ’n Tì g’am bheil ghnàth a thlachd; Cha bhi mi ni ’s faid ann am fiach ’S cha ’n iarr mi an iasad o chàch; O ’n tha m’ Fhear-sporrain cho mòr, ’S nach teirig a stòr gu bràch. Ach ’s iom’ tha ruith cùnntais ri Criosd ’S dha ’m bheil stòras gu sìor an tàmh; Fo eagal gun chreideas bhi ac’ Gu’n chaith iad na bh’ ac’ ’na làimh; Ach bheir e dhoibh litrichean dùint’ Nach fhaic iad le ’n sùilean féin A nochdas an creideas bhi mòr, Is gheibh iad gu leòir ri ’m feum. [TD 80] Bidh ás-creideamh bradach a’ luaidh, Chionn iad bhi ’nan truaghain bhochd, Nach ’eil aca còir ann an Criosd ’Snach maith e a chaoidh an lochd: Bu shuarach an lobhar measg chàich; ’S ’nuair ghlaodh e o’n làr ri Ios’, Fhreagair E ’s dh’ fhurtaich gu luath Chuir ainm mar ri shluagh a sìos. ’S bha òganach maiseach ann uair A bha ri mòr uaill á mhaoin; Ach chuir am Fear-saoraidh e uaith, ’Ga chùnntas ’na thruaghan faoin; ’San neach d’am b’airidh a’ chroich, ’Se tuiteam ’s an t-slochd gun fhòir, ’Nuair ghlaodh e ri Iosa ’san uair, Thug E e, leis suas do ghlòir. Ead. le I. CAMARON. FIOS COITCHEANN. Bha coinneamh mhòr Ghàilig aig Gàidheil Ghlaschu ann an Tall-Mòr a’ Bhaile aig deireadh Mhairt. Bha an t-uasal Donncha Mac-a’ mhaighsteir ’n a cheann-suidhe. Tha am ministear òg fòghluimte Gàidhleach a bha ’n a fhearcuideachaidh aig Mr Blàr, an Glaschu, Mr I. Diùr, M.A., B.D., air gairm fhaotainn do eaglais sgìre Chille-mhàrtainn. Cha’n’eil eagal gu ’m faicear na Gàidheil an déigh so ’nan cìleagan gun mhisnich a’ luidhe fo ùghdarras aintighearnail nan uachdaran a rinn feum cho ainiochdmhor do na còirichean fearainn a tha lagh na rìoghachd a’ toirt doibh. Dhearbh muinntir éilein Bhearnara an Leòdhais do’n uachdaran, Seumas MacMhath, nach luidh iad fo chumhachan mi-reusonta aintighearnail factoir no uachdarain. Ràinig muinntir an eilein air fad an caisteal le pìobaire a’ seinn rompa ’s iad ’ga leantuinn an deadh òrdugh a thagradh an còirichean air beulaobh an uachdarain le am batan calltuinn ’n an duirn. Rinn iad gnìomh ion-mholta fineadail, cliùmhor dhoibh féin agus airidh air gné nan Gàidheal. Gu ma fad a sheasas iadsan agus Gàidheil eile an aghaidh fògradh fòirneartach fhactors is uachdaran! Tha an obair mhòr ann an làmhaibh Mhoody is Shankey a’ leantuinn gun lasachadh an Glaschu. Tha ministeirean ás na h-Eaglaisean Soisgeulach feadh a’ bhaile ’gan cuideachadh. Ré seachduin a’ chomunnachaidh ghabh Moody is Sankey cothrom air Grianaig is na bailtean beag eile mu ’n cuairt fhiosrachadh. Air dhoibh tilleadh a Ghlaschu bha coinneamh mhòr air a gleidheadh ann an Talla mòr far an robh cùig no sè mhìltean cruinn. Bha Professors is ministeirean ainmeil ás gach ceàrn do ’n rìoghachd an làthair. Bha iad a’ beachdachadh cionnus is urrainnear feum a dheanamh do ’n mhuinntir a tha air an iompachadh air son aobhar Chriost a chur air aghaidh fo riaghladh nan eaglaisean. [TD 81] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 6.] Iune, 1874. [LEABH. II. GLEANN CHOMHAN. [Dealbh] GLENCOE. [TD 82] A réir bàrdachd Oisein b’ e Gleann Chomhan no Cona àite breith agus àraich a’ Bhàird ainmeil sin. Tha e glé chosmhuil gur h-e so an Gleann a tha air a chiallachadh le “Cona” nam Bàrd Fiannach. Tha na beanntan greadhnach, na glinn dhìomhair, na h-uillt shrùlach fhuaimneach, an ceathach gluasadach taibhseach fo neòil dhùmhlaidh, agus àr uamhasach nan dùilean, a tha air an dealbh-tharruing air sròl na bàrdachd Oiseinich ro chosmhuil ri aghaidh nàduir mar chi sinn i an diugh mu aonaichean mòralach Ghlinn Chomhan. Tha a’ cheàrn so ann an oir thuath siorramachd Iara-Gháidheal. A bharrachd air greadhnachas nàduir an àite is e an ni as coitchinne a thig gu inntinn neach an comh-cheangal ris cuimhne chianail Chlann-Dònuill a bha aon uair an seilbh air a’ Ghleann. Fhad agus a ni eachdraidh sgeul air àm no air nithibh a dh’ fhalbh, bidh iomradh is cuimhne gheur ri chluinntinn air an laimhseachdh chealgach, bhorb is bhrúideil a rinneadh air Clann-Dònuill bhochd. Chaidh sgeul na foill is an áir ghoirt a rinneadh orra a sheinn le báird Albannach is Shasunnach, agus a chur sìos air duilleagaibh ealanta an fhir-eachdraidh. ’S iomadh leis an deachaidh an sgeul tiamhaidh innseadh. Am briathran ro aithghearr tha brìgh an sgeòil mar a leanas: An déigh nan ríghrean Seumasach a bhi air an tilgeadh air chùl air son am pápanachais tháinig Rígh Uilleim, an Gearmailteach, a steach gus a’ chrùn Bhreatunnach. Bha na fíor Phrothastanaich am bicheantas air a shon araon an Sasunn is an Albainn. Ach bha móran ris an abairteadh na Seumasaich feadh na rìoghachd. Agus cha robh iad so ro ghann feadh na Gàidhealtachd mar an ceudna; mar a dhearbhadh gu brònach leis na Gáidheil am blár Chuil-fhodair. Chuir Uilleim agus a luchd-riaghlaidh uime sin a mach órdugh no reachd gu’n tigeadh na cinn-fheadhna Gháidhleach gu aideachadh follaiseach a dheanamh airsan mar Rígh. Chum na crìche so bha gach aon ri bòid a ghabhail roimh là mu dheireadh na bliadhna sè ceud deug, ceithir fichead, agus a h-aon deug (1691). Bha aon fhear—Mac-Dhòmhnuill Ghlinn-chomhan,—nach d’ rinn so mu’n do ruith an ùine. Bha an duine air aghaidh gu math ann am bliadhnachan, agus bha sneachd ro dhomhain, do bhrìgh àm a gheamhraidh, air an rathad gu Ionar-Aora. Chum so e lă air deireadh. Air a so thàinig “litrichean teine is claidheimh” fo sheula an Rìgh a mach an aghaidh Chlann-Dònuill. Chuireadh an t-ùghdarras sgriosail ud an làmhan buidheann do’n arm dhearg a chaidh do’n Ghleann a chur ás do Chlann-Dònuill. An àite ìnnseadh do na Dònullaich bhochda ciod a bha iad ri dheanamh, gu dàna, fearail, neo-chealgach, mar a thigeadh do shaighdeirean, is ann a chaidh iad gu dùbailte, cealgach ’nam measg, a’ faotainn agus a’ gabhail fialaidheachd nan Gàidheal bhochda, ag itheadh agus ag òl maille riutha o thigh gu tigh. Cha d’ thug iad an t-iomradh a bu lugha air gu dé a bha ’nam beachd gu maduinn an treas la deug do Februari 1692. An sin thug iad thun nan daoine ’nan leapan; agus mar so chur iad gu bàs gach neach air an d’ thàinig iag trasta. Chaidh ochd deug thar fhichead a mhort mar so, am measg an robh an an ceann-feadhna féin agus a bhean. A bhàrr air so bhàsaich mòran anns an t-sneachd agus iad a’ strì ri teicheadh. Mu’n chùis so mhealladh an [TD 83] Rìgh le muinntir dhroch-rùnach an Albainn. Cha robh ann ach gnothuch alach—gnìomh a tha ’n a mhì-chliù dhoibhsan a dhealbh e agus d’an sliochd. FREAGAIRTEAN MHR MOODY DO CHEISTEAN A CHUIREADH RIS. (AIG comhdhunadh a’ Cho-labhairt mhòir a bha ann an Glaschu o cheann ghoirid, far an robh ministeirean ás gach ceàrn do ’n dùthaich a làthair, chuir feadhainn na Ceistean a leanas ri Mr Moody, d’ an d’ thug e na Freagairtean a tha sinn ag eadar-theangachadh air son ar càirdean ’s a’ Ghàidhealtachd chum agus gu ’n tuig iad a dhòidh oibreachaidh, a los theagamh gu ’m feud iad ionnsachadh no feum fhaotainn uapa.) CEIST. Am bu chòir dhuinn fear-cathrach a bhi aig ar coinneamhan soisgeulach? FREAGAIRT. Thug mi fainear ré nam beagan mhìosa a bha mi ann an so gu ’n robh mòran choinneamhan dìreach air am milleadh le fear a bhi ag gabhail na cathrach. An déigh do neach searmoin chomasach a shearmonachadh dh’ éireadh fear-na-cathrach, agus labhradh e beagan agus dh’ ainmeachadh e rùintean is gnothuichean a bheireadh inntinn an t-sluàigh tur air falbh o ’n t-searmoin a chual iad. Is e am fear a dh’ fhosgail a’ choinneamh a bu chòir a dùnadh. C. Ciod is urrainn mnathan a dheanamh air son Chrìosd? F. Is urrainn iad mòran nithe a dheanamh. Canaidh mòran an Albainn nach còir dò mhnathan searmonachadh ann an Eaglais. Gu dé e an eaglais? Cha ’n e clach is aol. Tha iad a’ searmonachadh anns na sgoiltibh sàbaid. Bha aig aon bhean-uasal a bhuineadh do eaglais Mr Spurgeon class no buidheann anns an robh sè ceud (600) bean d’ an robh i gu cleachdail a’ toirt òraidean no searmoinean; agus tha e duilich a ràdh co-dhiù a ’s mò a rinn i féin no Spurgeon air son feum nam ban so. C. Ciod tuilleadh a ’s urrainn duinn a dheanamh air son na cloinne? F. Theirinn sibh a thogail tighean cneasda do ’n chloinn. Cha ’n fhaca mi tigh sgoil-shàbaid cheart ann an Albainn fathast. A Dhr. Lang (thionndaidh Mr Moody ann an so ri Dr Lang), bha sibhse ann an America? Nach urrainn sinne ann an America rudeigin dh’ ionnsachadh dhuibhse ann an Albainn mu sgoilean Sàbaid? Dr LANG.—’S urrainn dhuibh. Mr MOODY—Thigeadh aon ’sam bith a thogras a dh’ America agus faiceadh iad air an son féin. Tha na seòmair theagaisg aca agaibhse dorcha agus stùrach; agus ’s leòr e a dheanamh duine tinn a bhi aige ri suidhe treis air na suidheachain chruaidhe a tha ’gaibh. Dheanainnse na suidheachain ìosal chum agus gu ’n ruigeadh casan na cloinne air an làr. Thogainn àireamh do thighean dhoibh, agus bu chòir do cheud do leithid so do thogalaichean a bhi ann an Glaschu, tighean aoibheil, cridheil, taitneach. Dh’ fhàsadh eaglaisean a mach ás na sgoilean so. C. Am bu chòir do iompachain òga a bhi air am misneachadh no bhi air an teagasg gu bhi ’g aideachadh Chrìosd air ball ann an coinneamhan follaiseach? [TD 84] F. C’ arson nach biodh. Ciod a thubhairt am Maighsteir ris an fhear ás an do chuir e na diabhuil; “Rach dhachaidh gu d’ chàirdean, agus innis dhoibh mu na nithe mòra a rinn an Tighearna air do shon. Agus dh’ imich e, agus thòisich e air cur an céill ann an Decapolis na nithe a rinn Iosa air a shon, agus bha ioghnadh air na h-uile.” Dh’ fhalbh an duine sin agus dh’ innis e d’ a chàirdean feadh a’ bhaile gu léir. Ma tha deadh sgeul agam cha bu chòir dhomh a ghleidheadh dhomh féin ’s do m’ theaghlach a mhàin, ach a sgaoileadh agus a chur an céill ’s gach àite. Ma bha mi deanamh seirbheis do ’n Diabhul gu follaiseach, c’ arson nach aideachainn Crìosd gu follaiseach? Tha beagan do ’n aideachadh sin a dhìth orra anns na h-Eaglaisean an Glaschu. Their cuid gu ’m bheil eagal orra mu ’n chùis, agus gu ’m bu chòir do na h-iompachain òga a bhi air an teagasg mu ’n teagaisgeadh iad. Ach b ’e spiorad an t-Soisgeil “Faigh agus tabhair.” Rachadh na càirdean òga so a mach agus deanadh iad an ni a ’s feàrr a ’s urrainn iad. Tha e a’ creidsinn mu ’n rachadh ceudan do na h-iompachain òga so gu obair gu ’n deanadh iad obair mhòr. Feumaidh iad a bhi air an stiùradh; ma ni iad mearachd bu chòir ìnnseadh dhoibh gu h-uaigneach. Cha bu chòir d’ am mearachdan a bhi air am fosgladh do ’n t-saoghal. Mur deanadh iad mearachdan bhiodh iad gu geàrr air an lìonadh le uabhar spioradail. Gun teagamh dheanadh iad mearachdan. O ’n a thog mi ’n t-aideachadh rinn mi do mhearachdan na chum iriosal mi. Tha cuid ann nach dean ach aon mhearachd, agus ’s e sin gu ’m bheil do dh’ eagal orra mearachd a dheanamh, agus nach oidheirpich iad an làmh a chur ri ni ’s am bith. C. Nach ’eil Mr Moody ag aideachadh feum gu ’m biodh ministeirean air an ionnsachadh gu math? F. Gun teagamh. Cha ’n fhaca mi riamh duine aig an robh tuilleadh ’s a’ chòir do ionnsachadh. Ach tha taobh eile air an sin. Ma théid duine agus gu ’n cuir e fòglum an àite Chrìosd, bidh mòran aige ri cunntas a thoirt air a shon. Cluinnear glaodh mòr gu ’m bheil daoine ann aig am bheil eud gun eòlas. Ach b’ fheàrr leam eud gun eòlas, na eòlas gun eud. Tha aig ministiribh a ta air an oileanachadh gu riaghailteach an àite féin agus bhitheadh e ro amaideach duinn a bhi còmhstri ri aon a chéile. Bhitheadh e ro ghòrach do Phòl a ràdh ri Peadar, “So, Pheadair, cha’n’eil annadsa ach iasgair neo-fhòghluimte o Ghalilee; bi sàmhach; chrìochnaich mise m’fhòghlum agus searmonachaidh mi.” Ghabh Dia iad le chéile, agus an uair a tha an Teampull ’g a thogail tha feum aige air gach seòrsa luchd-oibre. Air uairibh ni gobha gun ionnsachadh barrachd ’na bhaile féin air ministeir. Tha aig gach neach a chuairt agus obair féin. An uair a théid neach gu oilean do’n fhòghlum bu chòir dha bhi ’g obair araon air son Chriosd is air son anmaibh. Dh’ fheudadh e’m bàs fhaotainn mu’n cuireadh e crìoch air ’fhòghlum. Oibreachadh e gach là. C. Ciod iad na meadhonan a ghnàthaichear gu ruighinn air a’ mhòr chuideachd? F Na’m bitheadh aig a’ chomh-chruinneachdadh so gràdh laiste do [TD 85] Chriosd, cha b’fhada gus an ruigeadh iad air a’ mhòr shluagh. ’S e Spiorad an t-soisgeil gu’n rachadh muinntir air tòir an t-sluaigh is gu’n lorgachadh iad a mach iad—cha’n e mhàin eaglaisean fhosgladh agus a ràdh, “Thigibh a steach agus bithibh air bhur teàrnadh,” ach dol a’n ionnsuidh. B’e Spiorad Mhic Dhé dol a shireadh agus a theàrnadh na muinntir chaillte. Mur tig iad d’ur n-eaglaisean breagha, faighibhse feadhain agus rachaibh d’an ionnsuidh-san. An àite bhi searmonachadh do shuidheachain fhalamh, rachaibh a mach do na sràidibh far am bheil am mòr shluagh. Is iomadh neach a tha a’ searmonachadh do shuidheachain fhalamh. Thuagadh e leis cuid do na buill a mach gu oisinibh nan sràid agus cuireadh e ’n céill soisgeul glòrmhòr na slàinte. An déigh dha so a dheanamh, feudaidh e ràdh, “Rachamaid a nis a steach do’n eaglais,” agus air ball bhitheadh an eaglais làn. Bu chòir do gach uile eaglais a bhi ’na h-eaglais mhission Bha e-féin sgìth do bheachdan inbheil——“Tha’n creideamh Crìosduidh a’ bàsachadh gu measal. Cha’n’eil e measal dol a mach do na sràidibh a dh’ùrnuigh.” Ciod a their iad an uair a bhitheas cuideachd aca a rìs aig dinneir? Bithidh iad ag innseadh do aon a chéile,—“Oh! Chunnacas Seanair Iones a mach air an t-sràid a’ roinn dhuilleachain.” Coma leat an dinneirean. Bu chòir dhoibh dol agus obair air son Chriosd. C. C’arson nach bitheadh againn air an t-sàbaid, òraid an rathad mìneachaidh air cuibhrionn do’n Bhìobull an àite aon do na searmoinean? F. Seadh, c’arson nach bitheadh? Cha’n’eil mi faicinn ni ’s am bith a bhacas sin. Chomhairlichinn do chuid do na càirdibh a tha a làthair fheuchainn. Is fèarr aon fhocal a their Dia na ceud a their duine. C. Nach b’ fheàrr dbuibhse, A Mhr Moody, freagradh a thoirt do na nithibh neofhìor a tha air an ràdh mu’r timchioll anns na paipeirean-naigheachd? F. Seadh, an uair nach bi dad a’ s fèarr agam r’ a dheanamh, ni mi sin. Ma bhitheas aig duine a tha ’g obair air son Chriosd ri freagairt a thoirt do gach breug a thogas an diabhol air, bithidh gu leòr aige r ’a dheanamh, agus cha bhi ùine aige seirbheis a thoirt do Dhia. Cha toigh leam dol gus na papeirean-naigheachd agus losgadh air an fhear so, is air an fhear ud. ’Se tha dhìth oirnu an diabhol a chur sìos agus Criosd a mhàin a thogail suas. An uair a chaidh mise iompachadh thug mi mo chliù do ghleidheadh an Tighearn, risan dh’ earb mi i. C. Cionnus a fhreagrar iadsan a tha ’g ràdh nach ’eil e iomchuidh do bhoirionnaich co-labhairt ann an coinneamh fhollaiseich ri boirionnaich eile, air bonn gu’m bheil am Bìobull ag ràdh “Biodh bhur mnài ’nan tosd ’s na h-eaglaisibh; oir cha’n ’eil e ceaduichte dhoibh labhairt”? F. Ma ’s e sin a’ s ciall do ’n fhìrinn so, cha mhò tha e ceaduichte do mhnathan a bhi a’ teagasg sgoilean Sàbaid. Is fèarr aon bhan-mhaighstir sgoil na sé fir. Tha i ealamh gu teagasg; ’s aithne dhi ciod a ni i. C. Ciod tuille a nithear an aghaidh mi-stuamachd? F. Ghabhainn là thoirt fuasgladh do’n cheist sin. Tha dà thaobh air ceist na mi-stuaim, agus is maith leam sgrìob thoirt air a’ dhà. Tha eadhon ann an Albainn ministirean agus foirfich a’ suidhe tuille ’s fada aig [TD 86] bòrd na dinneireach agus ag òl tuille ’s a’ chòir do fhìon. So a’ chuileag a tha ’s an oladh-ùngaidh aca. ’S e mo bheachd gu’m bu chòir do gach eaglais a bhi ’na comunn air son aobhar na stuaim a chur air aghaidh—agus an uair a dh’ aonas neach e-féin ris an eaglais, bu chòir dha air sgàth Chriosd, gach stuth misgeil, buaireasch a’ thilgeadh a dh’ aon bheum ás a làmhaibh. Seall air na tha do shluagh air an ribeadh leis an olc uamhasach so, agus iad gach mionaid a’ dol sìos do uaigh a’ mhisgeir. Seall air na h-aithrichean, cuid diubh ’nam ministiribh aig am bheil mic a tha dol sìos, no a chaidh cheana sìos do uaigh a’ mhisgeir. Dh’fhuilginn mo làmh dheas a bhi air a gearradh dhiom mu’n beanainn ris, an làthair mo chloinne. Chaidh na h-uibhir do chàirdean a sgrios leis, gus am bu chòir dhoibhsan a tha beò, mar aon duine a sguabadh bhàrr am bùird. Ma dh’ iarras tu ormsa an geall a làmh-sgriobhadh, ni mi sin ’s a’ mhionaid; oir cha’n ’eil mi uair bith ’g a bhlasad. Aig àm cogaidh America chaidh Réiseamaid a stigh do bhaile àraidh. Choisich òsdair suas far an robh gille òg maiseach, fearail agus thuirt e ris, “So dhuit dram.” “Cha’n òl mi deur dheth,” ars’ an saighdear’ “cha ’n ’eil mi uair air bith a buntuinn ris.” “Ach,” ars’ an t-òsdair, “tha thu nis ’s an arm. Cha ’n urrainn saighdear air bith cogadh as ’eugmhais; tha feum agad air gu d’ bheòthachadh.” Thug an saigdear a mach a Bhìobull ag ràdh, “So na tha do bheothachadh a dhìth ormsa.” Cha bhlais mi fèin e—cha do bhlais riamh, agus tha mi ’n dòchas nach blais. Is urrainn domh obair là dheanamh as ’eugmhais. Beagan a nis air an taobh eile. Tha mi ’m beachd gu ’m bheil am fear ud am mearachd nach cluinnear focal às a cheann ach mu stuaim. Tha àite fèin aig gach ni. Ma thèid thu do choinne úrnuigh, cha mhaith leam stuamachd a bhi ’na aon chanran cadail aig daoine. Tha fear ’s a’ bhaile againne, tha tighinn a’ h-uile là gus a’ choinne ùrnuigh, agus is coma gu dé a’ phuinc a bhitheas againn tòisichidh am fear so air dranndan mu stuamachd. Air dhuinn a bhi dol a mach aon là thuirt caraid rium, “B’ fhèarr leam gu’n robh agam fidheal le mìle teud, gu’n bhi gun sgur am phìobair an aona phuirt mar so.” Air an dòigh cheudna thaobh mi-stuaim, a mhàin an uair a bhitheas agad cothrom tog do ghuth agus thoir garbh rùsgadh air misgeireachd. C. Ciod a’ ni a’ s fèarr a ghabhas deanamh air son leas spioradail dhaoine òga? F. Tog tigh, agus bitheadh e ’na Lùchairt-mhalairt Spioradail air son Comunnan Deadh-rùnach nan Daoine Oga. An uair a bhitheadh mac a’ fàgail a mhàthar agus a’ tighinn do Ghlaschu, dh’fheudadh i sgrìobhadh gu a leithid so do Chomunn, agus a ràdh, “Tha mo mhac a’ fàgail a dhachaidh, a mhàthar, agus athar, agus cha ’n ’eil neach ann a sheallas ’na dhéigh mur dean sibh féin e; an téid sibh a shealltuinn air?” Feudar a ràdh chostagh sin airgiod. Ciod e ’m feum a th’ ann an airgiod? Seall dìreach air an airgiod a tha fir agus mnathan a’ caitheamh orra féin. Tha ’na uairibh nàire orm, an uair a théid mi a stigh d’ ur tighibh, agus a chi mi an t-airgiod a tha sibh a’ struidheadh oirbh féin. A mach o eaglaisean cha’n’eil agaibh aon togail choitchionn mheasail air son cùisean [TD 87] na diadhachd. ’S aithne dhiubh féin so. Dè ’n obair a dheanamh an Comunn Dhaoine Oga sin? Cha’n e bhi tional leabhraichean, agus a liubhairt òraidean, cha’n e, ach a bhi ag innseadh mu sgeul a’ mhòr aoibhneis. Tha Criosd a dhìth orra, agus bitheadh Criosd air a shearmonachadh dhoibh. ’S i so an aon slighe tre ’m feud iad a bhi air an sàbhaladh. C. Gu dè ’n dòigh air am faigh sinn buill ar n-eaglaisean air an teagasg gu labhairt ri anmaibh iomagaineach? F. Seadh, ma ta, is ceist sin a thug mòran dragha dhomh o cheann beagain sheachduinean. Dh’ fhuirich oidhche àraid faisge air trì cheud do chreutairean fo chùram aig a’ choinne, agus cha’n fhaighinn thar fichead pearsa a ghabhadh orra fèin dol a cho-labhairt riutha. Bha ’n sluagh a’ gul, ach ’s e theireadh cuid rium, “A Mhr Moody gabhaidh tu ar lethsgeul.” Cha’n urrainn domhsa thuigsinn c’arson a labhras crìosduidhean—ministeirean agus eildeirean air a’ mhodh so. Ciod a bha teachdairean agus seanairean a’ deanamh o cheann àireimh bhliadhnachan, mur an robh iad a’ treòireachadh anmanan gu Criosd? ’S e tha dhìth oirnn oidhirp phearsanta. Feudaidh tu searmonachadh mar àrd-aingeal agus an déigh sin uile, labhairt thar cinn do luchd-éisdeachd. Rach far am bheil iad, agus faigh a mach an galar agus tairg dhoibh a’ chungaidh-leigheis. Tha e duilich a ràdh dé mar a laimhsicheas tu anman fa leth. Tha beantuineas a’ co-luidhe r’ a chor féin a dhìth air gach aon. Feudaidh tu còmhradh ri aon aghaidh ri aghaidh, faighinn faisge air neach eile aon chuid air an làimh dheis, no air an làimh chlì, agus theagamh gu’m feum thu faotainn dlùth air fear eile o’n taobh-chùil. Na ’m bitheadh aig a’ h-uile eaglais an Glaschu leth-cheud, no ceud fìor Chrìosduidh le grunnan beothail do luchd-ùrnuigh dùrachdach air an cùl, theireadh iad ris an deacon so, no ris a’ mhnaoi ud, “So agad anam fo chùram; gabh ás làimh e agus treòirich e gu Criosd,” tha mi creidsinn gu ’m bitheadh leth-cheud air an iompachadh, far nach faighear a nis ach aon. Na searmonaich aig fad na làimhe o na daoine, rach ’nam measg, agus feòraich dhuibh, ciod tha cur dragha orra. Ann an cùig mionaidean gheibheadh tu mach an cor agus an duileachadasan agus an sin b’ urrainn dhuit an ìocshlaint a cho-chumadh agus a cho-chur r’ an staid. Théid lighich agus chi e neach a tha tinn, ’s e tha dhìth oirnn gu’n rachadh ministeirean a mach às a’ chrannaig gus na suidheachain, agus gu ’m faigheadh iad a mach cia mar tha cor an t-sluaigh. ’S e tha dh’ easbhuidh oirnn seòltachd agus tuigse. Na ’m bithinn am dhuine saoibhir, chuirinn air a cois anns na h-Oil-thighibh Cathair Tùralachd. ROULAND HILL AGUS A’ BHEAN-UASAL ANNA ERSCINE. Bha Rouland Hill urramach aon uair a’ searmonachadh a mach aig oir baile Lunnuinn ann an àite ris an canar na h-Achaidhean-monaidh. Bha sluagh gun àireamh ’g a éisdeachd. Ghabh e mar bhonn-teagaisg, Dan Sholaimh, I. 5: “Dubh a ta mi, ach sgiamhach.” Thug e fainear gu’n robh na briathran so a’ toirt a mach cliù eaglais Chriosd a tha ann am [TD 88] beachd an t-saoghail, dubh—“dubh mar bhùthaibh Chedair,” ach am beachd Chriosd, sgiamhach—“sgiamhach mar chùirteinibh Sholaimh.” Air dha bhi labhairt le beòthas is eud air a’ phuinc so, cò, ann ann freasdal an Tighearn a bha gabhail seachad, ach Lady Ann Erskine, air a cuartachadh is air a sgeudachadh leis a’ ghreadhnachas sin a bhuineadh d’ a h-àrd inbhe. Air di cruinneachadh neo-àbhuiseach sluaigh fhaicinn, thuirt i r’ a luchd-frithealaidh dé an t-aobhar air son an do thionail am mòr shluagh ud. Chaidh innseadh dhi gu’n robh duine ainmeil ris an abairteadh Rouland Hill a’ searmonachadh dhoibh. Fhreagair Lady Anne, gu’n cuala i tric iomradh air an t-searmonaiche neònach sin, gu’m bu mhiann leatha a chluinntinn, agus air dha bhi nis cho faisge làimh, gu’n gabhadh i cothrom ann an rathad neònachais air a’ mhiann so a riarachadh. Dh’òrduich i d’ a carbadair an carbad a thoirt cho faisg air an àite ’s an robh an searmonaiche ’s a b’urrainu da, chum gu’n cluinneadh i gach focal a theireadh e. Ann am beagan mhionaidean fhuair si i féin gu comhfhurtachail air a giùlan gu cùlaobh na crannaig o ’n robh an t-òraidiche a’ labhairt, oir cha robh àite eile o ’m b’urrainn di a ghuth a chluinntinn. Cha b’ fhada gus an do ghlac òirdhearcas uidheim, agus eugas dealrach na mnà-uasail inbheil a bha ’n a suidhe ’s a’ charbad aire an t-sluaigh. Bha gach sùil ’s a’ choimhthional a’ coimhead air rìomhadh greadhnach Lady Anne. Thug Rouland Hill geur-shùlach ’s a’ mhionaid an aire gu’n do tharruing i bhuaithe inntinn an luchd-éisdeachd, agus ann an tiota dhealbh ’inntinn gheur-chuiseach ghnìomhach ìnnleachd air son so a leigheas. Thosd e car tacuin, agus air dha a ghuth a thogail suas, ghlaodh e, “A bhràithre, éisdibh rium le ro-aire, oir tha mi dol a reic ni-éigin ’n ’ur làthair air a’ mhionaid. Tha an so bean-uasal agus a h-uidheam agam r’ an reic gu follaiseach. ’S i a’ bhean-uasal féin an ni sònruichte a tha toil agam fhaotainn bhàrr mo làmhan aig an àm so. Tha triùir a tha cheana gu dùrachdach a’ tairgsinn uirre,—’S e an ceud fhear, AN SAOGHAL. Seadh ma ta, gu dé bheir thusa uirre? ‘Bheir mise saoibhreas, onair agus toil-inntinn’. Cha dean e chúis. ’S fhiach i mòran na sin; oir bithidh i beò, an uair a sheargas saoibhreas, onair, agus toil-inntinn, air falbh mar chuithe-sneachd riomh fhrasan earraich. Cha’n fhaigh thusa i. ’S e an dara fear, AN DIABHOL. Seadh, ma ta, gu dé bheir thusa uirre? ‘Bheir mise rìoghachdan an domhain agus an glòir.’ Cha dean e chùis; oir bithidh i beò, an uair a shiùbhlas seachad rìoghachdan an domhain agus an glòir mar sgàilibh na h-oidhche roimh ghathan na maidne.’ Cha’n fhaigh thusa i. An treas fear, AN TIGHEARNA IOSA CRIOSDA. Ah! cluinnibh guth an neach so, tha a thairgse fiùghail. Seadh, ma ta, gu dé a bheir THU air a son? ‘Bheir MISE dhi gràs an so, agus glòir ’na dhéigh;—oighreachd neo-thruaillidh agus neo-shalach, agus nach searg ás.’ ‘Seadh, seadh, arsa an searmonaiche, ‘Iosa Bheannaichte! tha thu dìreach mar a shaoil mi thu a bhith, do-labhairt anns an fhialaidheachd a tha thu a’ taisbeanadh. Fàgaidh mi aig do thoil i.’ ‘Dubh a ta i, ach sgiamhach,’ agus is TU an neach a cheannaich i.” Thionndaidh Rouland Hill an sin ri Lady Erskine, a bha ag éisdeachd [TD 89] ris na briathraibh dàna so le ioghnadh agus le uamhann, agus thuirt e rithe; “A bhean-uasal! A bhean-uasal! am bheil thu a’ cur cùl ris a’ chòrdadh so? Cuimhnich gu’m buin thu do Iosa Criosda o so mach agus gu bràth. Tha nèamh agus talamh ’nam fianuisibh air a’ chùmhnant shòluimte agus do-atharrachaidh so. Thoir fainear gur tu oighreachd mhic Dhé. Bhàsaich e air son do thèarnadh agus do cheannach. An urrainn thu, an dàna leat, am bheil a’ chridhe agad a dhiùltadh? Stiùir an Spiorad naomh an saighead guineach geur gu cridhe Lady Erskine, lotadh i, thàinig i gu Criosd chum leighis. Chaith i a beatha ’s a maoin ’na sheirbheis. Choidil i ANN AN IOSA. ARAN BRISTE. FEIN-MHEALLADH.—Tha e ’n a chomharradh soilleir, gu bheil neach ’g a mhealladh féin, ’n uair tha e a’ comharrachadh agus a’ cronachadh, teachd-geàrr a choimhearsnaich, agus a’ di-chuimhneachadh a lochdan fèin. FUATH DO ’N PHEACADH.—Tha neoghloine ’chridhe féin ni’s gràineile do ’n duine spioradail, na tha gach neoghloin’ a leanas ri daoine eile. ’Nuair ’se do pheacadh do chùis-bhròin, tha do shòlas am fagus. FAIRICHIDHEAN.—Tha fairichidhean luachmhor ’n an àite féin. Ach tha bhi tighinn beò air na fairichidhean a chaidh seachad, mar gu ’n abradh an talamh aig briseadh na fàire, “O ghrian, is taitneach agus is tarbhach do ghathan, agus do bhlàthas. Feuch mar a chòmhdaich thu ’n dé aghaìdh nam beann le maise, agus ìochdar gach gleann le tarbhachd, agus mar thug thu air craobhan na machrach a bhi ’bualadh am basan le gàirdeachas. Bu bhriagh, bu phrìseil, an là bh’ ann an dé ach cha ruig thu leas éiridh an diugh.” Smaoinich, ciod e am bròn agus an call a a bhitheadh air talamh n’an robh a’ghrian a’ stad ’na cùrsa air son ceitheir uaire fichead: agus nach mòr an call anma ’bhi aon là dh’easbhu idh dealradh grian na fìreanteachd a tha a ghnàth tighinn le leigheas fo a sgiathan. “Pill sinn a Dhé; agus thoir air do ghnúis dealrachadh, agus saorar sinn.” U. R. B. B. CUAIRT AN DEASAICHE. TURUS TIR IS CUAIN. Bha mi a’ m’ shuidhe aig an tigh an Glaschu a’ sgrìobhadh a mach òraid Bheurla mu nithibh Gáilig air feasgar Dhi-Sathuirne an naoitheamh là do’n Chéitein, ’nuair thàinig fios-dealain (telegram) thugam gu’n robh dùil rium air an fheasgar sin ann am Baile-Bhòid, àite-tuinidh a’ bhràthar fhiail agus an deadh Ghàidheil, Mr. Ros. Rinn mi beagan crioslachaidh orm féin agus air ball ghabh mi gu h-astar. Cha robh ach leth-uair o’n a fhuair mi am fios gus an robh an carbad iarruinn ri falbh. Le m’ anail a’m’ uchd, ’s mi a’ m’ smùidreadh fhallais ràinig mi ceann an ròid iarruinn. Bha na tuill aig an robh mi ri pàidheadh air an dùnadh; ’s bha clag a’ charbaid air bualadh. Ruith mi suas an staidhir; bha an carbad dìreach a’ cur nan ceud char dheth; thug mi gus a’ chàrr a b’ fhaisge dhomh; bhuineadh e do’n dara inbhe; rinn mi greim bàis air an fhàine iar- [TD 90] ruinn a bh’ aig an dorus, le m’ leth-chois air a’ sgilp iarruinn gu h-ìosal; dh’ fhosgladh a’ chòmhla; agus fhuair mi a stigh. Thug an carbad smut no dha às, ’s a chuidhlean a’ buidhinn an luathas leis gach anail; agus ann an tiota bha sinn a mach à gleadhraich iarruinn baile Ghlaschu. Air dhomh sealltuinn mu’n cuairt orm chunnaic mi gu’n robh an càrr ach beag làn. Bha sinn ochdnar ann; aon bhean treis a latha, agus sè fir a bharrachd orm féin. Bha a’ bhean ’na suidhe mu’m choinneamh agus leabhar aice mar gu’m biodh toil aice leigeadh fhaicinn cho tuigseach agus a bha i ann an gnothuichibh litireachd. Theagamh gu’n robh i mar sin; ach cha do leugh i mòran fhad agus a bha sinne leatha. Bha aon fhear air mo làimh dheis eadar mi agus uinneag a’ chàirr a bha a réir coslais a’ tuiteam ’n a chodal cheana, cha do sheall mi féin ro bhiorach air an toiseach; ach cha deachaidh sinn fada ’n nair a thug e glaomadh gearanach air; shìn e làmhan; agus a’ toirt leth-éiridh air féin thuit e nunn ann am broilleach an fhir a bha mu choinneamh. Thuig mi nis gu dé an clò cadail a bh’ air; nach robh ann ach mac-na-braiche a fhuair sealbh a stigh agus a bha a’ gleidheadh a thalla an sìth car tacuin. Thug am mosgladh neo-thimchioll-gheàirrte a rinn e air féin cuspair cainnt do na bha a stigh; ’na dhéigh so bha teanga thall agus a bhos air a fuasgladh. Dh’fhosgail am meath-ghlaodh a thug droch-spiorad na misg ás glas na bailbhe a bha air ar beòil; ’s cha robh sinn tuille ’n ar tosd. Aig taobh eile a’ chàirr bha ’nan suidhe mu choinneamh a chéile dà òganach dh’am feudar an tiodal suaicheanta “bòcain” a thoirt; oir bha iad air bòcadh suas cho mhòr le uaill agus le stràichd. Canar “swells” riutha anns a’ Bheurla. ’Siad na rudan a bu mhò a bha cur do dhragh orra sud cionnus a ghleidheadh iad an gruag gun dol troimh-a-chéile, an léintean gun phrannadh, am boinn-dùirn tàirnnte sìos, agus am brigisean gun chrupadh mu na glùinean. Eadar mis’ agus fear dhiubh bha laoch mòr dubh tomadach nach robh deònach air a’ bheag a ràdh. Mu choinneamh an fhir so bha duine soilleir ruadh mu dhà fhichead bliadhna a dh’aois. O na ceud fhocail a thuirt e thuig mi gu’m bu Shasunnach e. Bha blas cruaidh Shasuinn air a’ Bheurla aige. Bha oirean nam focal cho geur; shaoileadh tu gur h-ann a bha iad air an sgealbadh a mach á toll-chlach. Is e duine caomh tlusail a bh’ann ’na choslas; cho neo-choltach ’s a ghabhadh ris an fhear fhuar dhorcha m’a choinneamh. Mu ’n deachaidh sinn fada air ar n-aghaidh thug e mach ás a phocaid achlais leabhrain bheaga. Shìn e aon dhomhsa agus do ’n fhear a bha m’a choinneamh. Leugh mise an t-aon a fhuair mi-féin; agus thug mi dhà air ’ais e le taing. ’Sann air an ath-ghineamhuinn a bha an leabhar; mhol mi cho gasda, soilleir, fallan ’s a bha an leabhran; ach thuirt mi ris gu ’n do shaoil mi nach robh dreuchd an Spioraid air a h-aideachadh gu h-iomlan anns an teagasg, ni air nach bu chòir sealladh a chall. Dh’ aidich e air ball nach bu chòir sud a leigeadh ás an t-sealladh ann am briathran dùrachdach gràdhach. O’n chainnt a bh’ againn ’n a dhéigh sud b’i mo bharail gu ’m b’ e duine e da-rìreadh air an robh eagal an Tighearna. Ach ’s ann bha mi dol a dh’ ìnnseadh uime féin agus mu ’n fhear eile d’ an d’ thug e leabhran. B’ e tiodal an leabhrain “Deadh [TD 91] sgeul;” ach math agus mar a dh’ fheudadh e bhi cha d’ rinn mo charaid oidheirp ’s am bith air a leughadh. Chuairsg e suas e ’n a mheall cruinn eadar a mheuran. Dh’ fheòraich am Philip a thug dha e, c’ arson nach do leugh se e? Nach e deadh sgeul a bh’ ann? “Cha ’n ’eil ni math air an t-saoghal ach e,” thuirt esan. Fhreagair an caillteanach fuar ’s e plùchadh an leabhrain eadar a mheuran, “Tha barrachd maith anns an t-saoghal agus am measg dhaoine na ’s aithne do chuid. Gheibhear iad so agus an rìoghachd againn fo an riaghladh agus air an dòigh-san a’ sparradh theagasgan do ’n t-seòrsa so sìos an amhaichean dhaoine gun taing; agus an àite a bhi deanadh dhaoine ni ’s feàrr ’s ann a tha iad ’gan deanadh ni ’s miosa. ’Sann air son mhissionaries a tha an rìoghachd againn a’ cogadh a nis agus a rithis anns gach ceàrn do ’n t-saoghal. Seall air cogaidhean Abisinia agus Ashantée. Mhill Breatunn na riòghachdan so: fhuair sinn iad ni b’ fheàrr na dh’ fhàg sinn iad. Bu chòir na h-aitean so a dheanamh sìobhalta, modhail, fòghluimte mu ’n cuirteadh an soisgeul a’n ionnsuidh.” Agus mar sin sìos. “O,” arsa Philip, “’S i an áithne a th’ againne an soisgeul a shearmonachadh do na h-uile.” Chunnaic mi-féin ged b’e duine math a bh’ ann am Philip, agus tuigseach mu nithe coitcheann, nach robh e fiosrach ann an eachdraidh. Chunnaic mi gu ’n do ghàir na “bòcain” gu toilichte a chionn gu ’n robh Philip a’ call a chas ’s an argumaid. Thug so orm féin Philip a chuideachadh. Dhearbh mi an sin, a réir mo bheachd féin, do’ n chaillteanach nach fhaighteadh sìobhaltachd no modhalachd, no fòghlum buannachdar anns an t-seadh cheart, ann an linn ’s am bith, no an rìoghachd, Greugah, Ròmanach, no Eipheiteach, ach an lorg teagasg an t-soisgeil. Nochd mi dha mar a shearg mòrachd is maitheas nan cinneach ud uile do bhrìgh agus nach robh iad air an sailleadh le fìrinn an t-soisgeil; agus gur h-e prionnsapal na naomhachd—gné an t-soisgeil—an salann a ghleidheas innleachean no oidheirpean dhaoine (civilization) gun ghrodadh. Nochd mi dha mar an ceudna gu ’n robh e mearachdach mu Abisinia agus mu Ashantee; nach ann air son saorsa a thoirt do na missionaries, no a dh’fhosgladh na dùthcha dhoibhsan, ged thachair na nithe ud, a rinn Breatunn cogadh riu, ach a ghleidheadh a cliù agus a còirichean saoghalta rìoghachdail féin. Bha sinn a nis seachad air Grainaig sìos gu Bàgh Wemyss; ach cha d’ thàinig Philip no an caillteanach gu còrdadh. Bha aig Philip barrachd do dh’ eud no bh’ aige do dh’ eòlas, agus mhill e a’ chùis. ’Se an leasan sònruichte a fhuair mise o’ n chùis gu ’m feum gliocas seòlta tuigseach dol an cois eud. Dhealaich sinn. Mar a ràinig sinn am Bàgh bhrùchd iad a mach ’nan ceudan ás a’ charbad mhòr fhad ud; air ball lìon iad an Smùideach aig an làmraig; agus thug ise sinn ann an deich mionaide fichead gu cala slòghmhor BHAILE-BHÒID. Ràinig mi dachaidh fhialaidh mo charaid, aig an robh, cha b’ e àireamh bheag, do eòlaich aon-inntinneach mu bhòrd blasmhor na féile. Choinnich iad so, ni àbhuisteach, air son coinn’-ùrnuigh uaignich air feasgar Dhi-sathuirne; bha i nis gu bhi seachad; ’s bhàtar aig an t-suipeir tràthail. Bha ministeir Baisteach, foirfeach Eaglais Stéidhichte, Caiptein airm, [TD 92] Soisgeulaiche Sasunnach, Ministeir Gallda is tuilleadh, ’nan suidhe còmhla an sud. Roinn iad an sin gu bràithreil an obair air son na h-oidhche sin agus an là màireach; is ghabh iad an ròidean sònruichte fa leth. ’S maiseach teagasg an t-soisgeil; altrumaidh e bràithreachas caoin eadar bràithrean ás gach aidmheil. Chunnaic mi nis le m’ shùilean gu ’n robh na chuir “TURUSACH” thugam air a’ mhìos roimhe mu Bhaile-Bhòid fìor. MU’N CUAIRT MAOL CHINNTIRE. Deich mionaidean an déigh seachd air maduinn Dhi-Luain dh’ fhàg mi Bòd; ràinig mi Grianaig beagan roimh naoi. Bha an là greadhnach le soillse is blàthas gréine. Bha Smùidichean air gach taobh a’ snàmh seachad le’m brùthan pàlaiseil làn sluaigh; agus gu dearbh féin bu bhòidheach an sealladh agus bu thaitneach an ni seòladh anns na h-àrois mhara ud o phort gu port. Dh’ fhàg mise Grianaig mu naoi anns an Smùidich ris an canar “Caisteal Ionar-Aora.” Thug an Soisgeulaiche Sasunnach a bha leam gu Grianaig leigheas dhomh air tinneas na mara ma’n cuireadh e dragh orm. ’Se sagairt a fhuair a mach e an toiseach; chum iad a mach gu’n d’ fhoillsich Peadar dhoibh an leigheas: Rinn iad criosan a cheangladh duine gu teann mu ìochdar a chuirp. Thòisich iad air an reic; ’s rinn iad mòran airgid; daoine a’ creidsinn gu’n robh iad air an coisrigeadh, no gu’n robh seun orra. Ach a dh’ aindeoin so tha mi creidsinn gu’m biodh ceangal do ’n t-seòrsa feumail. Bha an là math ’s cha robh feum air. Bha na caoil ’s na fearainn mu’n cuairt ag amharc ro bhòidheach. Ag amharc air Arainn ’s an dol seachad chuir mi na focail bhàrdachd a leanas an eagaibh a chéile: A Sheann Eilein na Féinne, ’S bòidheach leam do chnuic ghréine ’Nam maise fo éideadh uain’; Le’m bunait ghlais carraige Ri aghaidh blàr fairge Nach eòl ciod e gairge An diugh ’s taibhs ’na stoirme ’nan suain. Tha’n cuan ort ’n a chearcal, ’Na bhann sàile mu pheirceal Do sgorra bhreachda glasa gu teann; Cha ghéill iad do’n doininn Ged shéideas i cuinnein A torrainn, uchd daingean Bheir iadsan d’a sladadh nach gann. Dh’ astaraich sinn gu sèamh socair eadar an Learga Ghallda is Arainn is Ceann-tìre gus an do ràinig sinn a’ Mhaol a tha ’n a leitheid do chùis ghearain ri aimsir anshocair. Air an là so bha i cho neo-ghluasadach ri luba nan geadh; cha robh gruaim air a h-aodann, ’s cha mhò bha greann air an doimhne cuain anns am bheil carraighean a stéidh ’gan socrachadh féin. Ach a null uaipese gu àirde ghuirm na h-Oa bha lunn fada trom a bha toirt air a’ “Chaisteal” mhara anns an robh sinne caran a chur deth [TD 93] —luidhidh is éiridh lunndach nach còrd idir ri goile gluasadach an fhir air an toir tinneas-mara ionnsuidh. Ciùin agus mar a bha an latha chitheadh tu aon an sud agus an so a’ ruith gus an taobh a dh’ìobradh a mach do ’n mhuir na brìgh ud nach fhanadh a steach. Ann an ùine gheàrr bha sinn a’ dlùthachadh air cruachaibh ciara sheann Leòdamus, a tha a nis fo ’n ainm Port-Ellen. Bha muinntir an tinneis a nis a’ togail an cinn; a’ cur sùird orra gu ’n càirdean is luchd an eòlais a choinneachadh. Ach focal mu ’n Smùidich agus mu a “làmhan.” Tha an caiptein ’n a dhuine cinnteach earbsach; eòlach air an t-sàile o cheann iomadh bliadhna agus cionnus a ’s còir an iùbhrach aosda a ghleusadh le teàruinteachd di féin agus do na bhios air a giùlan. Tha am bàta Ileach féin ’g a nuadhachadh air son an t-samhraidh. Oirrese tha gille òg treun gleusda ’na chaiptein—fear-cinnidh dhomh féin, a bha còmhla rium uaireigin ’s a’ sgoil. Tha esan eòlach fiosrach mu gach bàgh ùig, loch, agus roc eadar Glaschu is Steòrnabhaigh mu Thuath. Thug mi fainear air an t-slighe gu h-Ile gu ’n robh “Caisteal Ionar-Aora” ro dhuilich a stiùradh; chaidh a dh’ atharrachaidhean a dheanamh oirre a thug togail oirre ’s an toiseach gus nach ’eil i ro umhal do ’n stiùir. Bha sìomarlach mòr ruadh Gàidhealach an sin aig an stiùir; agus leis na caran a bheireadh i áisde o thaobh gu taobh thigeadh an stiùireadair a mach le rann mosach do mhionnan a ’n bhàta nach leanadh mionaid dìreach roimpe. Cha d’ thug mi ’n aire gu ’n robh an gnothuch a’ cur dragh ’s am bith air duine mu ’n cuairt; ach bha an ceòl neo-fhearail, is neo-dhaidhaidh ud fìor charrach do’m chluasan féin. Chaidh mi mu dheire far an robh e; rinn mi gàire tlachdmhor ’n a eudan; agus thuirt mi ris gu ’m “b’ anabarrach an sgairt a bh’ anns na Gàidheil co-dhiù; gu’n robh mi faicinn gu’m bu Ghàidheil a bh’ aca air fad ’nan ‘làmhan;’ ach gu’m b’ iongantach leam fhéin cionnus e b’ fheudar do Gháidhel na mara a bhi seinn ceòl cho tiamhaidh ri ranntachd bhreun nam mionnan ’n uair bhiodh iad a’ cur an tréine an cleachdadh; nach robh a leithid sud a cheòl idir aig an luchd-obair Ghàidhealach a b’ aithne dhomhsa an Glaschu!’ Rinn e fèada-gàire; agus an ceann tiotan thuirt e, ‘Well, cha robh fhios agam gu’n robh mi ’g ràdh ni do ’n t-seòrsa. Tha e dìreach a’ tighinn air duine gun fhios da.” Ghabh e blàs ris an achasan o ’n a bha e ’s a’ Ghàilig, ’s cha robh fearg ’s am bith air. Tha mi creidsinn nam b’anns a’ Bheurla a chronaich mi nach do chòrd sinn cho math. Cha chuala mi mionnan uaithe féin no aon do chàch ’na dhéigh sud a’ falbh no tighinn. Cha’ n’ eil an Gàidheal bochd doirbh mar a ghabhar an dòigh cheart air. Feumaidh mi rìs focal a ràdh mu na h-Ilich agus mu na h-eòlaich an ILE; ’na dhéigh sin mu na h-Eirionnaich an Ceann-Tuath Eirinn air an do chuir mi beagan eòlais air mo thurus air m’ ais do Ghlaschu. GUTH Á ILE. A DHEASAICHE Rùnaich,—Deireadh a’ mhios a so chaidh fhuair mi mo chas air tìr ann an Sgioba an Ile. Thàinig mi leis a’ bhàta eireachdail sin [TD 94] Saint Clair nan Eileana mu’n cuairt Maol na h-Oa a steach do Loch-na-dàlach. Tha i air a sgiobadh le Caiptain is làmhan Gàidhleach a tha cridheil, caoimhneil ri luchd-turuis. Gu ma fada a sheòlas iad tèaruinte slàn eadar Glaschu is na h-eileana tuathach. Choinnich maighstir-sgoil Chreag a’ Gheòidh mi aig a’ bhàta ’s cha robh fada gus an do ràinig sinn rudha na Rainne. Tha air uchd an rudha so gu tìreil, grianach, dà bhaile bheag ris an abrar Port-na-h-aimhne is Bun-aimhne, ainmean a thugadh dhoibh o’n amhainn a tha dol seachad eatorra. Mar dhà ursainn dhìon dhoibh o shéideadh gaoithe ’s o onfhadh mara tha dà eilean fheurach, uaine d’ an goirear fà leth, Eilean Obharsaidh, is Eilean Mhic-Coinnich. ’S e an t-ainm cumanta a theirear ris a’ cheud eilean,—an t Eilean Mòr, airsan tha Tigh-soluis cho maiseach ’s a chithear ’s an rìoghachd. Tha mòrachd is tiamhachd a’ sgeudachadh aghaidh nàduir ’s an àite so; oir mar thairneanaich bheucaich cluinnear gun chlos gaoir bhàireach is trom nuallan nan tonn a’ briseadh ’nan cruachaibh geala air lethcheannaibh uaibhreach nan garbh chreag. Cha’ n’ eil teagamh nach ’eil co-ghleachd mòralach nan dùl gu nàdurra a’gintinn fearalais is misnich ann an inntinn an t-sluaigh. Tha muinntir an àite, beag is mòr, sean is òg, fallan, smearail ’nan coslas, is cridheil, faisge ’nan giùlan, eòlach air tuathaich is air deasaich. Tha e ro-thaitneach a bhi faicinn an t-sluaigh ’s a’ choitcheannas a’ cur mòr mheas air meadhonnaibh nan gràs. Tha tional mòr sluaigh a’ tighinn do ’n eaglais air an t-sàbaid, gu sònruichte ’s an fheasgar, ni tha ’na aobhar thàingealais a bhi faicinn muinntir na h-eaglaise suidhichte agus na h-eaglaise saoire a’ dol suas còmhla gu Tigh Dhé gun chath gun choimhicheas. Tha é soilleir do ’n fhear-thuruis nach ’eil ceàrna ’s an eilean a ’s fèarr a thig an sluagh a mach, no a ’s furachaile agus a ’s beòthaile a dh’ éisdeas iad ris an t soisgeul. Bha mi làthair aig coinneamhan soisgeulach an Gàilig ’s am Beurla a bha air an cumail o cheann ghoirid am Boghmòr, agus gu dearbh féin chleachd muinntir a’ bhaile agus sluagh na coimhearsnachd iad féin gu stòlda riaghailteach. Ré nan coinneamhan so dh’ fhòghluim mi aon leasan sòluimte; agus ’s e so e,—gun aon chuid orgain no laoidhean cha ’n fhaca mi an Glaschu no an àite eile sluagh ag éisdeachd cho geur-aireil, cùramach. Gun dad air bith ach seirm ghlan an t-soisgeil agus guth binn fìorghlan nan SALM cha tigeadh briseadh ’s a’ choimhthional ged bheirteadh trì uairean an uaireadair mu ’n crìochnaichteadh an t-seirbheis. Tha eagal orm le ar n-orgain agus le ar laoidhibh gu ’m bheil sinn cionntach ann a bhi toirt seirbheis do ’n DIA BHEÒ AGUS FHÌOR a réir ar macmeamnaidh féin a thoileachadh cluasan tachasach na ginealaiche fiaire agus baoth-bharalaich am measg am bheil sin beò. Tha mi ’n dùil nach toir na Gàidheil gnùis do mhodh-aoraidh deas-ghnàthach pàpanachail ’s am bith a dh’ fheudas a bhi taitneach do cheud-fàthan a’ chuirp, ach tur neo-tharbhach do ’n anam neo-bhàsmhor.—Is mise, Bhur seirbhiseach umhal, S. L. CREAG A’ GHEÒIDH, Màigh, 1874. [TD 95] MIANN A’ GHAIDHEIL AOSDA. LEIS AN FHEAR NACH MAIREANN, G. MAC-NA-CEARDADH. Ann am feasgar mo làith, ’s mi air gleann sgàil a’ bhàis A’ tarruing ni’s dlùithe gach latha; B’e mo mhiann bothan fhaotainn an dùthaich mo ghràidh, Ann am fagusg do chaolas na mara. Far am faicinn air maduinn ’s air feasgar gach là Iomadh eathar is bàta dol seachad; ’S’nuair thigeadh an oidhch’ dheanadh torman nan allt Mo thàladh gu samhchair is codal. Agus céile mo ghràidh a bhi faisg orm gach là Agus càirdean nach tréigeadh ’s nach mealladh; ’Smar an ceudna mo chlann ’nuair a thigeadh an oidhch’ Bhi ’nan croidhlean mu’n cuairt orm b’e m’ aighear. Agus deadh Leabhar-lann do gach obair is feàrr Tha am Beurla ’san Gàilig chruaidh sgaitich; ’S’nuair thigeadh droch uair, sneachda, reothadh is fuachd, Dheanainn leughadh gu cuannd’ chois na cagailt. Chum mo dhìon o’n ghaoth Tuath b’e mo thlachd anns gach uair Mo thigh is mo bhuar a bhi ’m fagusg Do’n Bheinn Mhòir ’s àille sgiamh, air am moch dh’éireas grian, ’S anns an fheasgar a’s anmoiche laidheas. Deadh chraoiteag mhaith ghruinnd, chum do thoradh an fhuinn, Gu’m biodh agam ri ghabhail ’s ri sheachnadh Pailteas bìdh do gach seòrs, min, buntàt’, agus feòil, ’S am fear-turuis cha’n fhaicinn air acras. B’e mo thlachd mar an ceudna, chum freasdal air m’ fheum, Agus fuasgladh ’na éigin air caraid, Sporran fada nan iall, air a lìonadh gu bhial Do chùineadh a b’fhiach a bhi agam. ’Sann an teinntein na bliadhn’ ’nuair le teas agus grian A bhith’nn air mo thràsgadh le padhadh, Cha’n iarruinn ri òl uisge-beatha no beòir, Ach a mhàin deoch do dh’ fhìor-uisge fallan. Mar so chaithinn mo làith gus an tigeadh am bàs, ’S cha bhiodh neoshunnt, no pràmh orm, no airsneul; Cha bhiodh farmad no tnù orm ri Rìgh no ri Diùc* Air a’ mheud ’sa bhiodh aca do bheairteas. ’Smu dheireadh ’nuair dh’ fhàsainn ro aosmhor is liath, ’Ndéigh ceithir fichead bliadhn’ a chur seachad, Le creideamh gun luasg anns an Tì a thug buaidh Mo chead do gach cuspair gu’n gabhainn. * Sgrìobhadh so ’san àm a phòs Diùc Iara-Ghàidheal nighean Diüc Chataobh. [TD 96] CRAOBH-SGAOILEADH AN T-SOISGEIL. O bheannta Tìr na fuarachd, ’S o bhruaich na h-Induis mhòir; ’S o Africa nam fuaran O’n gluais a’ ghaineamh òir; O iomadh amhuinn aosda ’S o raointibh nam pailm-chrann, Tha gairm againn a shaoradh Chinn-dhaonn’ o mhearachd teann. Ged shéideas gaothan spìsreach Air Céilon, I nam buadh, ’S gach sealladh eile rìomhach Tha dhaoine millte truagh: Tha tìodhlac’ Dhé an dìomhain Gu lìonmhor air gach taobh: Tha ’n cinneach dorcha fiat’ ud Le diathan chlach is chraobh. ’N dean sinne fhuair ar sùilean Tre ghliocas iùil o shuas An lòchran beath’ a dhiùltadh Do ’n dream tha ’n duibhr’ gun truas? An t-Slàinte!—O an t-Slàinte! An sgeul ro àghmhor seirm, Gu ’n cluinnear leo ’s gach àite Messiah ghràidh ’gan gairm. Sgaoil, sgaoil, O ghaoth A sgeula, A thuil ruith réis gu teann, Gu ’m bi e mar chuan éibhneis Mu ’n ché o cheann gu ceann: Gu ’m bi an t-Uan chaidh ìobradh A’ cìosnachadh gach crì ’Sna h-uile Dha a’ strìochdadh Mar Shlànuighear ’s mar Rìgh. FIOS COITCHEANN. Tha an t-Urr Uilleim Friseil, M. A., air gairm fhaotainn do Nigg. Tha muinntir Bhrodick an Arainn ag oibreachadh air son gairm a thoirt do’n Urr, Mr Camaron, Rentoin. Tha gluasad am measg Gàidheil Ghlaschu air son gu’m faigh iad Professor Gàilig an Glaschu cosmhuil ri muinntir Dhùnéidinn a tha ag oibreachadh air son fear fhaotainn. Tha an Sàr, Impire Ruisia, ag amharc Bhreatuinn anns na làithbh so. Bu mhath leis Bàn-Diùc Dhùnéideann, a nighean, a tha pòsda aig Diùc Dhùnéideann, Prionns’ Alfred, fhaicinn ’n a dachaidh ùir. Tha Ard-Sheanaidhean nan Eaglaisean Suidhichte is Saor cruinn an Dùnèideann an dràsd. ’S an ath Pháirt bheir sinn iomradh mu’n déibhinn. [TD 97] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 7. Iulai, 1874. [LEABH. II. LAPLAND. [Dealbh] AN LAPPACH ’N A CHÀRR. Is i Lapland an dùthaich is faide tuath ’s an Eorpa. Tha i mu chùig ceud mìle air leud agus mu sheachd ceud mìle air fad. Tha i air a [TD 98] gearradh a mach ’na trì roinnean—an Roinn Russiach, Shuaineach, is Lochlainneach. Ged tha an dùthaich cho farsuinn ri rìoghachd na Frainge a thaobh fearainn, cha ’n ’eil thairis air ochd mìle fichead do shluagh ìnnte; no beagan barrachd air na bheil do dhaoine ann an eilein Leòghais. Am measg nan ceithir-chasach ann gheibhear daimh, bà, coin, caoraich, agus gabhair. Ach is e am fiadh an creutair a ’s feumaile do na Lappaich. Giùlainidh e an eallaich; tha a bhaine ro mhiadhail aca; agus is e fheòil am biadh is mò air am bheil sluagh beò. Cha ’n ’eil tighean suidhichte aig Lappaich nam beann; tha iad a’ falbh o àite gu àite le an greighean fhiadh; agus tha iad a’ fantuinn ’s an oidhche ann am frith-thighean beaga a bhios mu naoi troidhean air àirde agus mu dhà dheug air fad. Cha’ n’eil anns na Lappaich ach daoine beaga; tha iad gu tric eadar ceithir is cùig troidhean air àirde; ach tha mòran nach ’eil cho àrd ri so. Tha iad dorcha ’s a’ chraicionn agus falt dubh orra; tha iad làidir, cruaidh, fulangach, agus deanadach. Tha eudach nam ban agus nam fear glé chosmhuil ri chéile. Tha an eudach air a dheanamh do leathrach no do dh’ eudach garbh. Is e beairteas an uasail Lappaich mìle no còrr do fhéidh a bhi aige. Tha iad so a’ giùlan eallaich, no a’ tarruing chàirr o àite gu àite. Tha na Lappaich ’nan Crìosduidhean ann an ainm. Tha iad ach gann uile air ann baisteadh; ach tha mòran d’an seann chreud féin aca air a mheasgadh leis a’ chreideimh Chrìosduidh. ORAID AN EASBUIG STROSSMAYER. (Air leantuinn.) ’Nuair a chuir Crìosda na h-Abstoil a theagasg agus a thoirt buaidh air an t-saoghal, thug e do gach aon diubh fa leth comas a réir fheum, agus gheall e gu’n tigeadh an Spiorad Naomh a nuas a chum an còmhnadh. Le ’ur cead their mi rìs, na’m b’e toil Chrìosda Peadar a shuidheachdh mar fhear-ionaidsan bheireadh e dha Ard-ùghdarras os ceann a luchd-cath Spioradail. Tha ’n Tiomna Nuadh ag innse dhuinn gu’n do dhiùlt Crìosda do Pheadar agus dhoibhsan a bha maille ris, riaghladh a bhi aca no tighearnas a ghnàthachadh os ceann nam bràithrean agus nan creidmheach (faic Lucas, xxii., 25). Nam biodh Peadar air a thaghadh gu bhi ’na Phàpa cha labhradh Crìosda air an dòigh so, oir tha seann sgeul ag aithris dhuinn gu bheil aig a’ Phàpa ’na làmhan dà chlaidheimh, aon diubh a’ ciallachadh ùghdarras spioradail agus an t-aon eile ùghdarras talmhaidh. Chur aon ni ioghnadh mòr orm, ’n uair a bha mi a’meadhrachdh mu’n chùis so, thuirt mi rium féin, Nam biodh Peadar air a thaghadh gu bhi ’na Phàpa, am faodadh a chompanaich esan a chur leis an Abstol Eòin gu Samaria a shearmonachadh soisgeul Mic Dhé? (Gniomh, viii., 14.) Ciod i ’ur barail a bhràithrean aosmhor, nan d’thugadh sin fainear aig an àm so, gu’n cuireamaid am Pàpa Noamh (Pius an naoi) maille ris an uasal òirdhearc Monsignor Plantier gu uachdaran na h-Eaglais a tha [TD 99] ann am Baile mòr na Tuirc a dh’asladhadh air cuideachadh leinn gu stad a chur air an roinn a tha ’san àm so am measg Eaglais na h-àird-an-Iar? Ach bheir mi dhuibh dearbhadh eile,—Bha Ard chomhairle air a gairm gu suidhe ann an Ierusalem a thoirt breithe air ceisdean a bha cur iomagain air na creidmhich agus a’ bagradh eadar-dhealachadh a dheanadh am measg nam bràithrean. Cò a ghairmeadh a’ Chomhairle so nam biodh Peadar ’na Phàpa? Is e Peadar a bu chòir a gairm. Cò a shuidheadh ann an àrd-chathair na comhairle? Is e Peadar no aon d’a luchd-lagh. Cò bheireadh fainear na ceisdean a sgrìobhadh agus a bheireadh iad do’n chléir a bha ’s a’ chomhairle a chum breith a thoirt air na béisdean? Cò ach Peadar. A nis cha do rinn Peadar aon do na nithean a dh’ainmich mi. Bha e aig a’ chomhairle so agus chuidich e leo mar a rinn na bràithrean eile a bha ’n sin agus aig deireadh na Comhairle cha b’e Peadar a chuir co-dhùnadh air a’ chothional ach an t-abstol Seumas, agus an uair a thugadh breith air na Ceisdean b’ann an ainm nan Abstoil, nan seanairean, agus nam Bràithrean a sgrìobh iad i (Gniomh, xv.) An ann mar so a ni sinne ’san Eaglais againne? A Bhràithrean aosmhor mar a’s fearr a rannsaicheas mi ’sann a’s motha a tha mi a’ faotainn dearbhadh anns an Tiomna Nuadh nach b’e Simon mac Iona a bha ’na àrd-fhear riaghlaidh air cùisean na h-Eaglais a bha ann ri linn nan Abstol. Agus ged a tha sinn a nìs ag ràdh ’sa’ teagasg gu bheil an Eaglais air a togail air an Abstol Peadar tha ’n t-abstol Pòl ag ràdh ’na litir a sgrìobh e chum nan Ephesianach (ii., 20). “Tha sibh air bhur togail suas air bunait nan Abstol agus nam Fàidhean, air bhi do Iosa Crìosda féin ’na chloich-chinn na h-oisinn.” Agus tha ’n t-Abstol ceudna a’ leigeil fhaicinn cho beag suim ’sa bha aige do uachdranachd Pheadair no aon ’s am bith eile do na h-Abstoil, oir thug e gu follaiseach achmhasan dhoibhsan a tha ’g radh. “Is le Pòl mise; agus is le Apollos mise, (I. Cor., i., 12.) Ionnan is ged a theireadh iad tha sinn le Peadar. Nam biodh Peadar air a stéidheacdhadh mar fhear-ionaid do Chrìosda, Bheireadh Pòl an aire nach abradh e focal an aghaidh neach ’sam bith a bha ’toirt urraim dhasan do ’m bu dlighe urram. Tha ’n t-Abstol ceudna ’na litir a chum nan Ephesianach ag ainmeachadh gach dreuchd a bha ’san Eaglais ’se so iad,—Abstoil, Fàidhean, Soisgeulaich, Aodhairean, agus Luchd-Teagaisg, (faic Ephes. iv., 11.) Am bheil aobhar againne a chreidsinn, a bhràithrean, gu’n deanadh an t-Abstol Pòl, Abstol mòr nan Cinneach di-chuimhne air a’ cheud dreuchd ’san Eaglais, Am Papa, ma bha’m Papa air a stéidheachadh a réir òrdugh Chriosda? Tha’n di-chuimhne so, cho neo-chosmhuil ’sa bhiodh e, nan sgriobhadh neach ’sam bith, eachdraidh mu’n Ard-chomhairle so, agus nach deanadh e ainmeachadh an àit’ air bith dh’i ainm a Phàpa Naoimh, Pius an Naoi (An so ghlaoidh mòran diubh le guth àrd,—“Bi adthosd a shaobh-chreidmhich, Bi ad thosd.”) Labhraibh gu socair a bhràithrean, cha d’ thàinig mi fathasd gu deireadh mo bhriathran, ma dhiùltas sibh dhomh na h-agam ri ràdh a [TD 100] labhairt, leigidh sibh gu soilleir fhaicinn do’n t-saoghal, gu bheil sibh a’ deanadh na h-eucoir, an uair a tha sibh a’ dùnadh béil an neach is lugha ’sa ’chomhairle so, le so a rádh théid mi air m’ aghaidh. Cha d’thug an t-Abstol Pòl iomradh, ann an aon do na litrichean a sgrìobh e gu Eaglaisean nan Cinneach, gu’m b’e Peadar Ceann na h Eaglais Ma bha’n dreuchd so ann, seadh ma bha aig an Eaglais Ard cheann, neo-mhearachdach, a chum a teagasg agus a riaghladh, an saoil sibh gu’n dì-chuimhnicheadh Abstol mòr nan Cinneach, an nì so ainmeachadh? An ruig mi leas a ràdh gu’n sgrìobhadh e litir mhòr mu’n chùis a leigeil fios do na h-eaglaisean an dleasnais do Cheann na h-Eaglais? An saoil sibh an uair a thogadh e suas aitribh an teagaisg Chrìosduidh, gun dì-chuimhnicheadh e a’ chlach-chinn? An nis, mun an abair sibh gu robh Eaglais nan Abstol ann am mearachd, ni nach bu mhiann le aon againn a ràdh, no a bhi cho dàna ’s gu’n cuir sibh saobh-chràbhadh ás an leth, ’s fheudar dhuinn a ràdh nach robh an Eaglais riamh cho maiseach, cho ghlan is cho naomh ’sa bha i ’nuair nach robh am Pàpa idir ann (Ghlaoidh iad, cha’n ’eil e fìor, cha’n ’eil e fìor’. Na abradh Monsignor de Laval, cha’n ’eil e fìor. Ach ma tha aon ’n’ur measg a tha cho dàna, ’s gu bheil e creidsinn gu bheil an Eaglais aig am bheil an diugh am Papa mar cheann, ni’s stéidheichte ’sa’ chreidimh, agus ni’s gloine ’na beus, na bha Eaglais nan Abstol, labhradh e mach, agus innseadh e sin an làthair an t-saoghail o’n is e so an t-àite o’n téid ar briathran a mach gu àitean iomalach na talamhainn. Le so a ràdh, theid mi air m’ aghaidh. Cha d’ fhuair mi ann an litrichean an Abstoil, Pòl, Eòin, no Seumas, aon fhocal a tha toirt coslais air dearbhadh mu chumhachd a’ Phàpa. Lucas a sgrìobh Eachdraidh nan Abstol, agus a tha ’g ainmeachadh gach cuairt agus gàbhaidh troi an deach iad, mar an ceudna gach deasbud a bh’ aca eatorra féin agus sluagh eile, cha’n ’eil e ag ràdh diog mu’n Phàpa. Ma bha Peadar ’na Phàpa, tha tosdachd nan daoine diadhaidh so, (a sgrìobh a réir seòladh an Spioraid naoimh, agus a dh’ fhàg againne gach focal a sgrìobh iad, mar lagh do’n Eaglais, agus a tha deanadh a suas carrainn do shoisgeul na firìnn.) ’na ioghnadh dhomhsa, agus cho neo-chosmhail ’sa bhiodh e do Thiers* an uair a sgrìobh e Eachdraidh Napoleon Bonaparte, gu’n dì-chuimhnicheadh e a ràdh gu’n robh e ’na Iompaire. Tha mi a’ faicinn an so, mu’m choinneamh, aon do chléir na Comhairle so, a tha a’ cur a mach a mheòir rium agus ag ràdh. “so agaibh Easbuig an sgaraidh a fhuair a steach ’n ar measg le foill.” Cha d’ fhuair, cha d’ fhuair, a bhràithrean aosmhor, cha d’ thainig mi a steach do ’n Chomhairle so, mar ghadaiche air an uinneig, ach air an dorus mar aon dhibh féin; thug m’ ainm mi bhi ’m Easbuig, còir dhomh air teachd a steach, agus tha mo choinnseas mar Chriosduidh gu labhairt an ni a tha mi creisdsinn a tha réir focal Dhé. Ach is e is mòth’ a chuir ioghnadh orm, agus a tha soirbh dhomhs’ a dhearbhadh tosdachd an Abstoil Peadar, e féin. Ma bha Peadar mar is miann a ràdh a bha e, ’se sin,—’na fhear-ionaid do Iosa Crìosd air an * Frangach a sgriobh leabhar, da ’n ainm ’s a’ bheurla History of the Consulate and Empire under Napoleon Bonaparte. [TD 101] talamh so, ’s cinnteach gu ’n robh fios aige féin air a sin; ma bha fios aig’ air ’s iongantach nach do rinn e ni ’sam bith a bheireadh dearbhadh air cumhachd na dreuchd sin; dh’ feudadh e dheanadh air là na Cuingis, ’nuair a labhair e a’ cheud searmoin, ach cha do rinn e ’n sin e; aig a’ Chomhairle a bha ’n Ierusalem, ’s cha d’rinn e ’n sin e; aig Antioch ’s cha d’rinn e ’n sin e; ni motha rinn e iomradh air a bhi ’na Phápa ’na dhà litir a sgriobh e do ’n Eaglais. An saoil sibh, a bhràithrean aosmhor, gu ’m biodh Pàpa ann a dheanadh mar so, ma bha Peadar ’na Phàpa. EAD LE N. C. EARAIL DO LUCHD-COMUNNACHAIDH. LEIS AN URR. RAONALL BAN. 1816. THA sinn a’ cluinntinn so air a ràdh, maille ri nithibh eile, mu Chrìosd, le Spiorad na fàidheadaireachd: “An ni nach d’ thug mi leam sin is éigin domh aiseag.” Is e so an cinne-daoine ———— an ni nach d’ thug e air falbh, agus a thug e air ais. B’e an cinne-daoine na meirlich a rinn a’ ghadaidheachd air Dia ——— a spuill Dia d ’a ghlòir, a spuill an saoghal d’ a shonas, agus a lìon e do dhoilgheas, do anshocair, agus do thrioblaid. Sheas an diabhull suas mar tharbh fiadhaich, agus chleachd e gach uile dhíchioll a chum Dia a spuilleadh d’ a ghlòir, agus chleachd e an cinne-daoine mar an ceudna gach uile dhìchioll a chum Dia a spuilleadh d’ a ghlòir. Is i a’ chrìoch a bh’ aig Dia anns a’ cheud chruthachadh, agus a’ chrìoch a bh’ aige mar an ceudna anns a’ chruthachadh nuadh, a ghlòir. Is e an ni ris nach dealaich Dia gu bràth, a ghlòir. Gu a ràdh le urram naomh, cho fad agus is Dia e, cha dealaich e ri a ghlòir. Tha fios agam gu bheil ann an so iomadh do phobull Dé, agus ma tha iad air bhi a’ bheag ’s am bith a dh’ ùine ann an sgoil Chrìosd, nan cuirinnsa a’ cheist orra cò aca is faisge dhoibh glòir Dhé no tearnadh an anama, dh’ éigheadh iad a mach: “Och glòir Dhé!” Ma their iad a’ bheag ’sam bith uair air bith mu chur teàrnadh an an anama roimh ghlòir Dhè, gheibhear iad air ball le osnaich ag ràdh: “Och glòir Dhé!” Ach feuch! Ciod a’ mhisneachd a ta an so dhuitse, anam bhochd thruaigh, uair air bith a théid thu a ghearan ann ad ùrnuigh air do chor bochd, truaillidh, gráineil, salach—gu’m bheil teàrnadh t’anama air fhilleadh a steach ann an glòir Dhè. Is e so an ni a bh’ aig ceud ghluasad agus ceud shuidheachadh a’ chùmhnaint a bha eadar an Trìonaid o shìorruidheachd—gu’m biodh teàrnadh t’ anamas air fhilleadh a steach ann an glòir Dhé. Tha Pòl ag ràdh: “Cò aca dh’itheas no dh’ òlas sibh, no ge b’e ni a ni sibh deanaibh na h-uile nithe chum glòire Dhe.” An uair a bhitheas tu ag itheadh pronnaig arain, ag òl deoch do ’n uisge bitheadh e chum glòire Dhé. An uair a bhitheas tu a’ caitheamh do theachd-an-tìr—ni a ta glé dhoilich labhairt air, agus glé dhoilich ìnnseadh do chàch a chéile—bi a’ gabhail Chriosd gu saor o’n Athair. Bi a’ gabhail a thròcair mar thìodhlac saor uaith, agus bi a’ tabhairt na glòire rìs dha. (An so thug am ministeir seachad an cupan.) Ach feuch nach dean thu a gnothuch le bloigh do ni Chriosd. Feuch nach ’eil thu ag ràdh: “Na tha [TD 102] mise an éis anns a’ bhanc Crìosd suas; a’ chuid nach ruith mise do ’n réis, ruithidh Crìosd air mo shon; cuidichidh Criosd mi; nach bi a’ bheag ’sam bith agam féin r’ a dheanamh?” Tha dleasnais agad féin r’ a dheanamh. Ach ma ’s math leat-sa beatha, no beothalachd, a bhi agad chum ni math spioradail ’sam bith a dheanamh, cum thusa do shùil air Criosd a’ deanamh na h-oibre gu h-iomlan. Is e so a bheir an ceud ghluasad dhuitse gu ni math a dheanamh. Feuch nach bi thusa cosmhuil ris a’ mhuinntir a bhios ag ràdh nach ’eil feum air Criosd ach aig meadhonaibh, agus aig òrduighibh, agus aig bòrd an Tighearna—a’ deanamh air Crìosd mar a nithear air cota Sàbaid. Is coma leam co-dhiù an diadhaidheachd a, ta mar chòta Sàbaid. Is ioma dleasdanas a ta agadsa ri dheanamh aig a’ bhaile, mu ’n teine, agus mu ’n chlobha, air son am feum thu tuilleadh neirt o Chriosd na dh’ fheumas tu aig bòrd an Tighearna. Chuala mise nòt o sheann chrìosduidh àraidh an uair a bha mi a’ m’ leanabh, agus bu mhòr an t-iongantas a chuir i orm an uair a chuala mi i. Is ioma là o sin a bha i feumail dhomh, agus cha dealaich mi gu bràth rithe: “Is ioma dleasdanas a ta agadsa ri dheanamh aig a’ bhaile mu’n teine, agus mu’n chlobha, air son am feum thu tuilleadh neirt o Chriosd na dh’ fheumas tu aig bòrd an Tighearna.” Ach feuch thusa do thaobh an fhreasdail dhuilich a bhios a’ d’ aghaidh, gun dean thu Sàcramaid deth an sin, agus gu’n dean thu bòrd an Tighearna deth an sin, agus gu’n toir thu glòir do’n Tighearna deth an sin. DAN MEASARRACHD. THA tuar nan speura glé dhall is tiamhaidh; Dubh neòil a’ luasgadh mu’n cuairt ’san iarmailt; Ach boillsgidh eòlas ’san ròd o’r Dia-ne A ni ar seòladh triomh ’n dòmhlachd fhiadhaich. Séis:— Is iomadh Gàidheal bha gaisgeil uaibhreach. Is iomadh fiùran bha ùiseil uasal, A thug an t-òl gu staid bròin is truaighe; Théid sinne còmhla a’n còmhnadh uaithe. Ni sinne deifir a ghlac’ ar càirdean A tiunn na misg’ ’s iad an iomairt bhàthte; A’ call an treòir le sruth dheòir an spàirnich, Gun chuspair còmhnaidh a’n còir a’n sàbhal’? A Dhé na Mòrachd, dha ’n géill na dùilean, Bi féin ’n ar strì ann ad chlì ’s ad iùil duinn; Ar cridhe àitich le gràdh fir-dhùthcha Is biodh an gràs thig o’n àird ’g ar stiùradh. Thoir gràs féin-aicheidh air son ar n-aobhair; Gu’m bi sinn eudmhor ’s gach ceum ’s an t-saoghal; A’ leantuinn dàna troimh thàir gun chaochladh An samhla slàint’ ud dh’fhàg gràdh Fir-Saoraidh. [TD 103] SEANN GHAILIG. Bheirear mìrean do sheann Ghàilig seachad a nis agus a rìs a nochdadh do ar luchd-leughaidh cleachdadh sgrìobhaidh na Gàilig o àm gu àm. An àite a’ chuid a’s duiliche atharrachadh gu dòigh litireachaidh Gàilig an latha ’n diugh, is ann a bheirear eadar-theangachadh Beurla seachad leis am feud an leughadair na facail a’s dorra a thuigsinn. Bidh e ’na thaitnean da oidheirp a dheanamh air an t-seann Ghàilig a leughadh ás eugmhais tuilleadh ’sa’ chòir do chuideachadh. Tha an ceud mhìr air a thoirt á leabbar làmh-sgrìobhte (MS.) a rinneadh ann an aon do eaglaisean Gàidhleach nan Cùildeach. (Culdees.)—Rinneadh e mu ochd ceud bliadhna roimhe so. Fhuaradh e aig Easbuig Sasunnach a thug e do Oil-thigh ann an Sasunn. Chaidh a chur an clò o cheann ghoirid. ’Se an tiodal aige, The Book of Deer. Sgrìobhadh an dara mìr o cheann còrr agus ceithir cheud gu leth bliadhna le Feargus Mac Beth, Beaton, no Mac-an-Lighich. Chuir Mac-Dhòmhnuill Ile, Tighearna nan Eilein, a làmh ris a’ “bhrontanas” so a bha e toirt do Mhac-Aoidh na Ranna ’san eilein Ileach; is sheulaich se e an làthair fhianuisean: I.—LEABHAR AN DEUR. (The Book of Deer.) 1000, A.D. “Columcille acus drostán mac cósgreg adálta tangator á hí marroalseg día doíb goníc abbordobóir acus béde cruthnec robomormáer buchan aragínn acus essé rothídnaíg dóib ingathráig sáin insaere gobraíth ómormaer acus óthóséc. tangator asááthle sen incathráig ele acus doráten ricolumcille sì iàrfallán dórath dé acus dorodloeg arinmormáer .i. bédé gondas tabrád dó acus níthárat acus rogab mac dó galár iarnéré na gleréc acus robomaréb act mádbec iarsén dochuíd inmormáer dattác na glerec góndendaes ernacde les inmac gondisád slánté dó acus dórat inedbaírt doib uácloic intiprat gonice chlóic petti mic garnáit doronsat innernacde acus tanic slante dó; Iarsén dorat collumcille dódrostán inchadráig sén acus rosbenact acus foracaib imbrether gebe tisaid ris nabad blienec buadacc tangatar deara drostán arscartháin fri collumcille rolaboir collumcille be deár ánim ó húnn ímácc; TRANSLATION: (Columcill and Drostan son of Cosgrach his pupil came from I as God revealed to them unto Abbordoboir and Bede the Pict was mormaer of Buchan before them, and it was he that gave them that town in freedom for ever from mormaer and tosech. They came after that to the other town, and it was pleasing to Columcille, for it was full of God’s grace, and he asked of the mormaer, that is, Bede, that he should give it to him; and he did not give it; and a son of his took illness after refusing the clerics, and he was dead but a little. After that the mormaer went to entreat the clerics that they should pray for the son that health might come to him, and he gave in offering to them from Cloch in Tiprat to Cloch Pette mic Garnait. They made the prayer, and health came to him. After that Columcille gave to Droston that town and blessed it and left as (his) word, “Whosoever comes against it, let him not be many-yeared, prosperous.” Drostan’s tears (deara) came on parting with Collumcille. Said Collumcille, “Let Dear (Tear) be its name from hence forward.” [TD 104] II.—BRONTANAS MHIC DHOMHUILL NAN EILEIN. (Gaelic Charter granted by Donald Balloch, Lord of the Isles.) 1408, A.D. An ainim de amen. Ataimse Mac domhnaill ag bronnagh agas tabhairt en mhairg deg go leith dfearann uaim pfhein agas om oighribh do Bhrian Bhicaire Mhagaodh agas da oighribh na dhiaigh go siorthuighe suthain ar son a sheirbhise . . . . damh pfein agas dom athair romham agas so air chunnrag agas air chonghioll go tteobhraidh se fein agas iadsan damhsa agas dom oighribh am dhiaigh go bliadhnamhail ceithre ba ionmharbhtha chum mo thighe agas a cas nach biadh na bath soin ar faghail bhearadh an Brian huas agas oighriogh dhomhsa agas dom oighribh am dhiaigh da mharg agas da fhichit marg ar son na mbo cceadna huas. Agas ar na habharuibh cceadna ataimse dom cheanghal fein fein agas ag ceanghal moighriogh um dhiaigh go deiriogh an bheatha na fearainn soin moille re na dthoruibh mara agas tire do sheasamh agas do chonghbhail don mbhriain bhiocaire Mhagaodh huas agas da oighribh go siorthuighe na dhiaigh mar an cceadna. Agas as iad so na fearainn thugas dho fein agas da oighribh go brach iadhon Baile bhiocaire Machaire Learga riabhoige. Ciontragha. Graftol. Tocamol. Wgasgog. Da ghleann astol. Cracobus. Cornubus. Agas Baile Neaghtoin. Agas ionnas go mbiaidh brigh. neart, agas laidireacht ag an mbrontanas so bheirim uaim. ceanglam aris me fein agas moighriogh go siorthuighe fo ccunrag so do sheasaibh agas chonghbhail don mbhrian reimhraite agas da oighribh na dhiaigh go deiriogh an bheatha. le cuir mo laimhe agas mo sheala sios an so a laithair na bfhiaghain so so sios. agas an seiseamh la do mis na bealtuine agas an bhliadhan so do bhreith Chriosta Mile. ceithre ced. agas a hocht. MCDOMHNAILL. Eoin Mac Domhaill. Pat: Mc aBriuin. Fercos Mac Betha. Aodh Mc Cei. TRANSLATION: In the name of God. Amen. I, Mac Donald, am granting and giving eleven marks and a-half of land from myself and from my heirs, to Brian Vicar Mackay and to his heirs after him for ever and ever, for his services . . . to myself and to my father before me; and this on covenant and on condition that he himself and they shall give to me and to my heirs after me yearly, four cows fit for killing for my house. And in case that these cows shall not be found, the above Brian and his heirs shall give to me and to my heirs after me, two marks and forty for the same above cows. And for the same causes I am binding myself and binding my heirs after me, to the end of the world, these lands, together with their fruit of sea and land, to defend and maintain to the above Brian Vicar Mackay, and to his heirs for ever after him in like manner. And these are the lands I have given to him and to his heirs for ever: namely, Baile-Vicar, Machaire, Leargariabhoighe, Ciontragha, Graftol, Tocamol, Ugasgog, the two Gleannastol, Cracobus, Cornubus, and Baile-Neaghtoin And in order that there may be meaning, force, and effect in this grant I give from me, I again bind myself and my heirs for ever under covenant this to uphold and fulfil to the aforesaid Brian and his heirs after him to the end of the world, by putting my hand and my seal down here, in presence of these witnesses here below, and the sixth day of the month of the Beltane, and this year of the birth of Christ, one thousand four hundred and eight. MCDONALD. John Mac Donald. Pat: Mac aBrian. Fergus Mac Beth. Hugh McCei. [TD 105] COIMHEAD NA FEILLE. “Is éigin domh air gach aon chor an fhéill so a tha teachd a choimhead.” GNIOMH. xviii: 21. “Deanaibh so mar chuinhneachan ormsa.” 1 Cor. xi. 25. Cluinneamaid an creidmheach, ’s e ’n a sheasamh, fa chomhair cuirm an t-soisgeil, a’ tabhairt freagraidh do ’n cheisd, C’ar son is EIGIN duit an fhéill so a choimhead? 1. Is EIGIN domh ùmhlachd a thabhairt do àithne mo Thighearna, “Dean so mar chuimhneachan ormsa.” Is i so àithne dheireannach mo Thighearn, a thug e seachad, mu’n deachaidh e thairis air struth Chedroun, gu cruaidh-ghleachd anama, ann an gàradh Ghetsemane, air an oidhche mu’n do “ghiùlain e ar peacaidhean ’n a chorp féin air a’ chrann.” Dh’ òl e féin an cupan searbh, agus tha e cur f’a m’ chomhairsa cuirm,—“Cuirm de nithibh blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithibh blasda làn de smior, de fhíon aosda air a dheagh tharruing.” Dh’ ith e féin luibhean searbha a’ bhròin, na nàire agus a’ bhàis, agus o’n làimh a sparradh ’s an uair ud ris a’ chrann, tha e tairgseadh dhomhsa, aran na beatha! O! m’ anam nach abair thu nis “Glacaidh mi cupan na slàinte agus gàirmidh mi air ainm an Tighearna.” 2. Is EIGIN domh an fhéill so a choimhead, agus mo Thighearn aideachadh f’a chomhair dhaoine. Tha mi ’cluinntinn a ghuth ag radh “Cia b’ e a dh’ aidicheas mise ’am fianuis dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna ’am fianuis m’ Athar a tha air nèamh ach ge b’ e dh’ aicheadhas mise ’am fianuis dhaoine, aicheadhaidh mise esan ’am fianuis m’ Athar a tha air nèamh.” Is briathran cudthromach iad sin. C’ar son a dh’ aicheadhainn e? Cha d’ aicheidh esan, am bochd, an truaghan agus an ciontach, ’n an airc, “oir tarcuis riamh cha d’ rinn air bochd, ’s nior ghabh e gràin d’ a leòn.” Bha e féin “air a dhimeas agus air a chur air chùl le daoinibh” gidheadh ’se a ghuth binn tha mi ’cluinntinn ag ràdh “An tì thig do’m ionnsuidh cha tilg mi air chor ’s a am bith a mach e.” Chum an dàimh is dlùithe agus na sochairean a’s àirde, tha e gairm a shluaigh. Thàinig e dh’ ionnsuidh a dhùthcha féin agus cha do ghabh a mhuinntir féin ris, ach mheud ’s a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ’nan cloinn do Dhia, eadhon dhoibbhsan tha creidsinn ’n a ainm.” Tha e ga m’ ghairm chum mo chrannchur a thilgeadh a steach maille ris féin, agus maille riùsan, a tha, tre ghràs, ag ràdh: O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnaibh eile bharrachd ortsa; ach annadsa a mhain ni sinn luaidh air d’ ainm.” Cionnus, ma ta, a thogas mise m’ àite na’s fhaide, am measg an dream ’tha ’g a chur air chùl, agus nach ’eil a’ gabhail ris? C’ar son a ghluasinn na ’s fhaide fo bhrataich a naimhdean? C’arson a bhithinn n’a ’b fhaide fo mhallachd Mhierois “Mallaichibhse Meros (thubhairt aingeal an Tighearna) mallaichibh gu mòr luchd-àiteachaidh; a chionn nach d’ thàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearn an aghaidh nan cumhachdach.” O! nach ’eil e airidh air gu ’n aideachainn e! “Is e dealradh glòir an Athair, agus fìor ìomhaigh a phearsa.” Nuair thug e na lannan bhàrr mo shùilean, nach d’ thug e air mo chridhe a bhi ’g ràdh “Is maisiche thu [TD 106] na clann nan daoine.” “Is e so fear mo ghràidhsa agus is e so mò charaid; seadh tha e gu léir ionmhuinn.” Agus a nis nach abair mi le m’ uile chridhe “Ortsa bithidh mo mholadh, anns a’ mhòr-chothional, mo bhòidean ìocaidh mi ’nan làthairsan d’ an eagal e.” Is EIGIN domh an fhéill so a choimhead. 3. Is EIGIN domh air gach aon chor an fhéill so a tha teachd a choimhead do bhrìgh gu’n do shònruich mo Thighearn e, mar mheadhon neartaichidh agus ùrachaidh do luchd-turuis Shìon ’s an t-slighe troimh an fhàsach. “Dheasaich e bòrd f’a m’ chomhair ann am fianuis mo naimhdean.” Tha slighe r’a gabhail, tha cath ri chur, agus tha buaidh r’a thoirt a mach. Cluinneam a ghuth ag ràdh, “Eirich agus ith, oir tha an turus mòr air do shon.” 4. Is EIGIN domh air gach aon chor an fhéill so à choimhead, do bhrigh gur é th’ ann an so àite sònruichte coinneachaidh ris féin. Thubhairt e, “Anns gach àite ’s an toir mise fa’near gu’n cuimhnichear m’ ainm, thig mi a d’ ionnsuidh agus beannaichidh mi thu.” Air an aobhar sin, deir m’ anam “Is beag orm co-thional luchd-uilc, agus le doinibh aingidh cha suidh mi. Nighidh mi mo làmhan ann an neo-chionta, agus cuairtichidh mi d’ altair a Thighearna; Chum gu foillsich mi le guth molaidh agus gu’n cuir mi an céill d’ oibre iongantach gu léir.” 5. Is EIGIN domh air gach aon chor an fhéill so a tha teachd a choimhead do bhrigh ’s gu’m faod e bhith gur e so an cothrom mu dheireadh a bhitheas agam air fianuis a ghiùlan air a thaobh. “Tha an tì a tha toirt fianuis air na nithibh so ag rádh, Gu deimhinn tha mi a’ teachd ’an aithghearr. Amen.” O! air son grás a fhreagradh, “Seadh thig ’an aithghearr, a Thighearna Iosa.” Grás ar Tighearna Iosa Criosd gu robh maille ribh uile. Amen. C. C. I-BHROIN. A DHEASAICHE,—Le mòr mheas tha mi ’g iarraidh cead sgrìobhadh do ’ur n-ionnsuidh. Thug mi fainear gu’m bheil cuid do ’ur luchd-fo-sgrìobhaidh a’ cluich ris an fhacal, “I-freòin.” A thaobh agus nach cuala mi roimh so ciod is brìgh do’n fhacal, tha e ri shaoilsinn nach do thuig iad ceud bhrìgh an fhacail. Ma tha mi am mearachd bu mhaith leam a chluinntinn. 1d. A’ cheud phuinnc: Is e I-bhròin is fior bhrìgh do ’n fhacal. Bha cuid d’ ar n-aithrichean a sgrìobh “I-bhraoin,”—Eilein an Uisge; ach tha e coltach nach d’ fhuair iad a mach freumh an fhacail. 2ra. An dara puinnc: Tha “I-shonna,” Eilein an t-Sonnais, agus “I-bhròin,” a’ cur soluis air a chéile. Do bhrìgh agus nach ’eil mòr chothrom sgrìobhaidh anns a’ Bhrataich, tha mi fàgail nam facal gun mhòran teagamh nach cuir gach neach aonta ris na beachdan a tha comasach air barail cheart a thabhairt. Is e “sonna,” agus “sonn,” ceud bhrìgh an fhacail, “I-ona,” Eilein an t-Sonais, na, nan sonn. IAIN CAMRAN, Bard do Chomunn Oiseineach Oil-thigh Ghlaschu. [TD 107] FREAGAIRTEAN MHR MOODY DO CHEISTEAN A CHUIREADH RIS. C. ciod iad na sgriobturan a ’s fearr dhomh a ghabhail an uair a bhitheas tu a’ bruidhinn ri feadhain a tha air an dùsgadh? F. Aig àmaibh tha aon earrann maith, aig uairibh eile earrann eile. Tha agamsa duilleagan ann am Bhìobull air nach ’eil ni ’s am bith air a chlò-bhualadh, orra so tha mi ’g gleidheil cùnntais air cuibhrionnaibh freagarach do na sgriobturan. Tha cuid agus an uair a ta iad a’ labhairt ri luchd-fidireachdain, their iad riutha, “Am bheil thu a’ faireachdainn so no sud. Gabh romhad le t’ fhaireachdainn ’s e tha sinne ag iarraidh gu ’n creideadh iad. Tha dream ann a dheanamh suas sgriobturan nuadha a chanadh mar so, “Iadsan a mothaicheas agus a chreideas bithidh iad air an tèarnadh,” chuireadh iad mar so mothachadh an àite creideamh, no air thoiseach air creideamh. ’S e tha Dia ’g ràdh ruinn sealltuinn ri Criosd, agus cha ’n ann ri faireachdainnean. C. Cionnus a ni thu na coinneamhan ùrnuigh ni ’s taitniche na tha iad? F. Seadh, ma ta, bi ni ’s taitniche thu féin; sin agad aon dòigh chunnaic mi iomadh coinne air a mort—a’ bheatha air a toirt aisde, leis an neach a bha ’n a cheann uirre. Tha dòigh ann air an gabh so deanamh. Theirig a steach le d’ chòta druidte suas gu t’ amhaich, na amhairc air duine. Atharraich fuaim nàdurra do ghuth, agus bi cho fuar agus a théid agad air. Comhpàirtich an fhoirmealachd fhuar so ris a’ choinne, leugh caibideal mòr fada, agus tòisich air a ràdh nach ’eil dad agad r’ a chur an céill doibh, agus an sin thoir leth-uair a’ labhairt. Mur am marbh thu a’ choinne a nis is fàidh bréige mise. Eirich an sin agus troid ris an t-Sluagh, o ’n nach ’eil iad a’ cuideachadh leat. Air mo shon féin dheth, cha ’n urrainn domh a bhreithneachadh dé a bheireadh sinn do ’n eaglais anns an dòigh chodalach fhuar so. Tha mi ’g innseadh dhuibh gu ’m bheil cuideachd mhòr adhlacaidh againn ann an Albainn; feumaidh sinn an fhuaralachd so adhlacadh. An tràth théid thu do ’n eaglais cuireamaid dhinn an fhaluinn reòdhta do-lùbaidh so, glacamaid gach neach air làimh, fairicheadh a’ h-uile aon mar ann an dachaidh bhlàth. C. Ciod a ni thu ris na daoine ud a bheir làn na leth-uaire ag ùrnuigh? F. C’arson, ’s i ceist fhurasda tha sin——buail an clag. Tha thu ’g ràdh nach ’eil clag agad. Mur ’eil, teann dlùth agus thoir tarruing air earball còta an fhir a tha ’g ùrnuigh. B’ fhéarr leam míle uair faireachdainnean duine a chiúirreadh na coinneamh a ghortachadh. Cha’n’eil duine an Albainn air am bheil barrachd meas agam na air Dr Cairns, ach na’n éireadh e agus gu’n gortachadh e a’ choinne, bheirinn slaodadh air iomall a’ chòta dhuibh aige——’s mi gu’n toireadh. Tha cuid ann air am bheil eagal mothachaidhean dhaoine a ghortachadh. Leig leò; is fèarr sin a dheanamh na a’ choinne a lagachadh agus a mhilleadh. Tha thu a’ suidhe ’s a’ chathair, agus a’ cumail a mach gu’m bheil beatha ’s a’ choinne, agus thig sluagh g’ a h-ionnsuidh. ’S iomadh coinne a dh fhàsaich sinn ’s an riòghachd le òraidean agus le ùrnuighibh fada. Labhraidh duine naoi fichead focal ’s a’ mhionaid, agus ma dh’ fhàsas e teth gu lèoir, [TD 108] labhraidh e ceud gu leth focal ’s a’ mhionaid. Tha mi sgìth de’n leithidibh so do roimh-ràdhan, “Cha’n’eil ni ’sam bith agam r’ a ràdh,” agus, “Cha robh fhios agam gu’m bitheadh e air iarraidh orm guth a ràdh, cha d’ ullaich mi roimh làimh.” Bheir cuid cùig no deich mionaidean a sgiathlaich thall ’s a bhos mun amais iad idir air a’ phuinc cheart. Abair gu sgiobalta gun tuainealaich air bith na bheil agad r’ a chantainn; òraidean goirid, ùrnuighean goirid; buail air ball gus a’ chuspair air am bheil a’ rùn ort labhairt. Ma tha thu dol a dh’ ùrnuigh air son dhaoine òga, dean e——na tòisich air ùrnuigh air son nan Iùdhach. C. Cionnus a chumas sinn daoine o bhi a’ togail tuille agus a’ choir do ùine? F. Fhreagair mi sin cheana——dean fuaim leis a’ chlag. C. Tha creutair a so a rinn o cheann ghoirid roghainn do Chriosd, ach tha i ann an éigin, dé ni i thaobh dannsaidh agus cluiche air cairtean, mar an ceudna thaobh chàirdean agus chompanach, a thaobh nan nithean so uile, tha i gu sònruichte a’ miannachadh a bhi air a stiúradh gus aMhaighstir? F. Ma ta, cha chuala mise riamh iomradh air aon ’sam bith a fhuair gu Criosd le suidhe sìos gu h-iomairt air cairtean, no le dol gu tighean-cluiche le càirdean is le companaich. Dean seasamh dìleas air taobh Dhé, seas daingean, ge b’e air bith a chostas e dhuit. Feudaidh tu do làrach a chall car tacuin, ach cha’n fhada gus an cuir muinntir eile meas air do stríth. Thuirt duin’-uasal r’ a mhnaoi aon uair, “Thig thusa leamsa do’n tigh-chluiche, agus théid mise leatsa do’n eaglais,” chaidh i leis, ach riamh ’na dhéigh sin cha robh meas aige air a diadhachd. Na leig do bhratach thun an làir. Ma tha thu dol a chosnadh anman gu Criosd, feumaidh tu bhi treun air a thaobh. Na’m biodh Noah cluiche air cairtean an uair a chunnaic e ’n saoghal ’g a sgrios, theireadh tu gu’n robh e ’na chealgair. Tha ’n dràst leur-sgrios spioradil a’ deanamh greim air an t-saoghal. Thoir fainear na tha dol sìos do ifrinn a’ mhisgeir. Cha’n’eil úine againne dannsadh maille ris an t-saoghal; thigeamaid a mach ás. Feumaidh sinn teachd a mach ás, ma tha sinn gu buaidh mhaith air bith a bhi againn thairis air. C. An innis Mr Moody dhuinn cionnus a bheanas sinn ris na mì-chùramaich? F. ’S a’ cheud àite, feuch r’ an dùsgadh tre fhocal Dé, gu bhi tuigsinn an cunnart uamhasach ’sam bheil iad. Ach tha e ro dhuilich do cheisdean fhuasgladh gu cothromach, oir cha’n urrainn tomhas air bith a bhi agad a cho-shìneas ris na h-uile. GUTH A ILE. II. A DHEASAICHE Rùnaich,—Tha mi nis o cheann naoi seachduinean a’ támh anns ann Rainn Ilich agus gu dearbh chòrd na Rannaich agus mi féin gu fìor mhaith. Tha feara agus òig-fheara calma tapaidh an rudha air falbh an drast aig an iasgach ann am Barra. Tha ’n dà bhaile bheag so an croc- [TD 109] hadh gu mòr air am beò-shlaint’ a thoirt as a’ mhuir. Gheibh mi fìor thaingealas air siubhal gach fir agus mnà ann am Port-na-h-aimhne agus am Bun-aimhne o ’n thug an t-Ard-Sheanadh cothrom dhoibh air a’ cho-fhulangas a bha air a nochdadh o cheann iomadh bliadhna le càirdean an aobhair ann an Dún-éidin, ann an Glaschu, agus an àitean eile. Tho iad gu sònruichte an comainn an Dr Mhic-Lachlain air son cho chuimhneach ’s a bha e orra o cheann àireamh bhliadhnachan ann a bhi cho caoimhneil ann an cumail an cor agns an suidheachaidhean fa chomhair inntinn agus súil na h-eaglais gus faidheòidh an d’ fhuair iad cuideachadh cho fialaidh gus an urrainn dhoibh an nis dol an ceann ròghainn a dheanamh do theachdaire. Tha sinn an dùil gu ’n dean an sluagh gu òrdail, ciúin, gun mhòran strith no connspoid gairm aon-sgeulach a thoirt do mhinisteir soisgeulach tapaidh a théid air ceann a’ choimhthionail. Fhuair mi an diugh fèin fios-dealain à Dún-éidin gu bhi ’s a’ Chlachan Cheanntireach air an t-Sàbaid. Gheibh sibh guth as a’ Chlachan ’s an ath Bhrataich. Creag a’ Gheoidh. S. L. LUNNAINN. IS e baile Lunnainn cridhe na h-Impireachd Bhreatunnach agus an t-saoghail. Tha e còmhdach còig ceud, trí fichead, is sè deug (576) do mhìltean gruinnd. Tha mu cheithir mullein fear-àiteachaidh an taobh a stigh d ’a chrìochan. Tha mòran chànainean air an labhairt am measg a shluaigh. Tha barrachd do Phàpanaich ann an Lnnnainn no a tha ’s an Ròimh. Tha barrachd do Iùdhaich ann an Lunnainn no a tha ann an tìr Chánaan. Tha barrachd do dh’ Eirionnaich ann an Lunnainn no a tha ann am Baile-Cliath an Eirinn. Tha barrachd Albannach ann an Lunnainn no a tha ann an Dùn-Eideann. Tha breith ann an Lunnainn a’ h-uile ceann coìg mionaidean. Tha bàs ann an Lunnainn a’ h-uile ceann ochd mionaidean. Tha barrachd air dà mhuillein gu leth do shluagh Lunnainn aig nach ’eil àite anns an suidheadh iad ’na eaglaisean is ’na thighean-aoraidh eadar a’ h-uile creud a th’ ann. Tha buaidh ro chumhachdach aig mi-dhiadhachd Lunnainn air slòigh a’ bhaile féin, air sluagh ceàrnan eile na rìoghachd, agus air muinntir tìrean céin. Tha CEITHIR CHEUD missionairi a dhìth air son Lunnainn air ball. Tha aon a dhìth a labhras Gàilig. Tha cuideachadh air aslachadh o na Gàidheil—an ùrnuighean agus am maoin. Gabhaidh an t-Urr. Uilleim Ros, Baile-bhoid cùram do ni ’sam bith a thabhairear air son an aobhair. Nach fharsuinn an raon a tha ’n so do na ministeirean a tha gearan nach fhaigh iad eaglaisean no raon oibreachaidh an Albainn? [TD 110] MOLADH AN LEIGH. LEIS A’ BHARD MAC GILLEAIN. Mòr mholadh do’n Léigh rinn feum d’ar tinneas ’Sa dhlùthaich sinne ris féin; Mur tigeadh E nuas air chuairt g’ar sireadh Bu truagh gach fine fo’n ghrèin. Bhrist Adhamh an àithn’ gu dàn, is corruich An Ard-Righ tharruing, e oirnn; Sheas Iosa ’n ar n-àit, ’s le bhàs dhuinn cheannaich E slàinte sonas, is glòir. ’N uair cheannaich E saors’ o dhaorsa dhuinne, Bu chraobhach fhuil air an fheur A’ sileadh o chom; bu trom na buillean Dh’ fhàg fann an’ curaidh bha treun. Crùn sgithich mu cheann chuir naimhdean nimheil ’S bn teann a dhinneadh air e; Le òrd chuireahh sàtht’ ann tàirnean guineach Air àrd-chrann dh’ fhuiling an Léigh. S’ Léigh E bheir beò sinn, s’ eòl dha h-uile ni; Sòlas, s’ urram gheibh ’n sluagh, A dh’earbas iad féin ri éifeachd fhala ’S ’na cheumaibh leanas gu cruaidh. Ged gheibh iad gu leòir do bhròn, ’s do mhulad Gu sòlach cuiridh iad ruaig; ’S ’nuair ruigeas iad thall aig ceann an turuis Bidh ’n geall a bhuinig iad buan. Ged tha iad an dràst an cràdh s’ a’ gearan Bidh slàinte mhaireann ac’ shuas; An Lighiche gràsmhor ’ghràdhaich ’n anam Cha’n fhàg orr’ galar no truaigh. Cha’n fhaicear an glòir na deòir a’ sileadh Tre dhòruinn cridhe le ’n gruaidh’n; Gach duine bidh sunntach, siùbhlach, fallan, Gun chùram, smalan, no gruaim. Na daoine le aois, rinn n’ aodain preasadh ’Sa dh’ aom leath thairis do’n chill ’Nuair thig an là mòr thig beò a rithist, S’ òg glòrmhor bithidh tre Ios’; Bidh iad aig a’ bhòrd le comhdah geal orr Is sòlas maireann ’nan crì; S iad seinn dha gu h-àrd:—’s e ghràs gun choimeas Thug slàint’ dhaibh, sonas, is sìth. [TD 111] Aig Lighich na glòir tha ’n t-eòlas barraicht Air leòin is galairean sluaigh; Làn-leigh’sidh E ’n eucail s’ bréin’ gu farasd, Tha éifeachd fhala do-luaidht’; Tha chridhe làn gràidh s’ gu bràch cha chuir E A’ làthair duine le gruaim; Gu saor bheir E slàint do thràillean falamh Le gràdh a sheallas ris shuas. M’ IOS’ THUG MI GRÁDH DHUIT. M’ Ios’ thug mi gràdh dhuit, ’s tu mhàin fèar-mo-ghaoil; A d’ leantuinnsa dh’ fhàg mi àgh bàsmhor an t-saogh’il; Mo shlànuighear gràsmhor ’s m’ Fhear-Saoraidh thug buaidh, Ma thug mi riamh gràdh dhuit, O’ Ios’ so an uair! Thug mi gràdh dhuit a chionn gu’ n do ghràdhaich thu mi, Gu’n do cheannaich thu gràs dhomh air crann Chalbhari; Fulang maslaidh a’m’ àit’ agus cràidh nach gach luaidh:— Ma thug mi riamh gràdh dhiut O Ios’ so an uair! Fhad’ ’s a bheir thu dhomh làith is a dh’ fhagas dhomh deò, Bheir mi moladh is gràdh dhuit an cian bhios mi beò; Bidh mi seinn ’nuair bhios driùchd fuar a’ bhàis air mo ghruaidh,— Ma thug mi riamh gràdh dhuit, O Ios’ so an uair! An dachaidh na glòire measg sòlas a cluan Bidh mi seinn air do ghràdh ann ad àros bith-bhuan, Le crùn òir nan leug gheibh gach aon a bheir buaidh:— Ma thug mi riamh gràdh dhuit, O Ios’ so an uair! Ead. le CIOBAIR. [TD 112] FIOS COITCHEANN. THA an t-Urr. Tormoid Mac Aoidh air gairm fhaotainn o Eaglais Shaoir Assint. Tha an t-Urr. I. A. Mac-an-Leisdeir air gairm fhaotainn á Muthil ann an Siorrachd Pheairt. Tha an t-Urr. an t-Olla Mac Lachlainn á Dùnéideann agus an t-Urr. U. Ros á Baile-Bhòid a’ cur cuairt air a’ Ghàidhealtachd a dh’ fhaicinn cor nan Sgoilean Gàilig agus feadhainn nan Ladies’ Association agus ciod an dàimh anns am bi iad ri bùird nan sgoilean. Tha am Bill a tha air son cur às do’n Phatronachd ann an Eaglais na h-Alba air dol troimh Thigh nam Morairean; is tha e nis ann an Tigh nan Cumantan. Tha dùil chinnteach gu’m faighear e troimh ’n Phárlamaid air an t-samhradh so. Thug Diùc Richmond Bill a steach do Thigh nam Mòrairean air son reachd Pàrlamaid a thoirt a mach a chuireas as do ’n Phatronage ann an Eaglais na h-Alba. Leis a so bidh taghadh nam ministeirean air fhàgail an làmhaibh an luchd-comunnachaidh. Cha’n’eil fhios fathast ciod a thachras; ach tha dùil gu’n téid aca air an lagh so a dheanamh. Tha comh-chruinneachadh do Laoidhean air an eadar-theangachadh o’n chlobhualadh aig Mac-na-Ceàrdadh aig an àm. Is e Donnachadh Caimbeul air am bheil cuid do na Gàidheil an Glaschu glé eòlach is fear-tionail orra. Cha bhi dith laoidhean air na Gàidheil tuilleadh. Fhuair iad aon no dhà sa’ Bhrataich cheana. Tha sinn a’ tuigsinn mar an ceudna gu ’m bheil an t-Urr. Mr Ros am Baile-Bhòid ag ullachadh air son Leabhar Laoidh a thoirt a mach. Tha an t-Achd a tha iad ag oidheirpeachadh a thoirt a mach leis a’ Phàrlamaid a chur ás do’n Phàtronachd an Eglais na h-Alba am measg buill na h-Eglais Shaoir. B’e so an cuspair a bu mhò a thog a dh’ ùine agus a rinn, do ghluasad aig na h-Ard Sheanaidhean am bliadhna. Tha sùil a’ h-uile fir air a’ Ghàidhealtachd an comh-cheangal ris a’ chùis so. Tha e air aideachadh leis gach pàirtaidh mur faigh iad greim air na Gàidheil gu m’ bi an lagh-atharrachadh agus an lagh-deanamh gun tairbh. Tha cunntas an Deasaiche air a thurus troimh Ile, troimh cheàrn a dh’ Eirinn, agus an Dùnéideann air a chumail ás air an uair so maille ri nithibh eile. Tha Freagairtean Mhr Moody air an coimhlionta gun ghiorrachadh mar a thug e iad. Cha ’n’eil sinn ag ràdh eo-dhiù a tha na chan e a réir ar beachd-ne no naeh ’eil. Tha sinn a’ toirt an sgeòil; agus a’ fàgail gach neach gu bheachd féin air obair’s air a theagasg. [TD 113] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 8.] Ogust, 1874. [LEABH. II. TIGHEAN SNEACHDA NAN ESQUIMAUX. [Dealbh] Mar na h-Innseanaich thruagh le am pàilliuna sneachda Tha mise ’gam chleachdadh an aitreimh mo chri; Gaoth reòite an tuiteim rinn m’ aigne ’nan leaca; Ann an teach fuar a’ pheacaidh dh’ fhàs m’anam gun chlì. ’Se mo nòs a bhi togail gach latha ùr bhaile Do ’n stuth ud nach maireann ri còmhstri nan dùl; Féin-fhìreantachd shneachd-gheal am bunait ’s am balla Mo phàilliun a’ mheallaidh a leaghas gu cùl. ’G am dhìon leis an t-sneachda a m’ choimhead o ’n reothadh; ’G am éideadh le cionta a m’ choimhead o fheirg Dh’ an deireadh an lasair, mur tig orm naomh phlathadh O ghrian gheal na beatha ’na h-àillidheachd dheirg. MAOIN EAGLAISEIL ’SNA STAIDEAN AONAICHTE. AREIR iomradh ùghdarrachail a chuireadh a mach aig New York o cheann ghoirid tha maoin nan creudan fa leth air a roinn mar a leanas: (Tha sinn a’ fàgail aìnmean nan aidmheilean am Beurla.):— The Methodists, £14,000,000; the Roman Catholics, £12,700,000; Protestant Episcopalian Church, £7,600,000; the Baptists, £8,500,000; the Lutheran Church, £3,100,000; the Presbyterians, £11,000,000; the Reformed Church, £3,400,000; the Unitarians, £1,300,000; the Jewish, £1,000,000; the Congregational body, £5,200,000; the Universalists, £1,180,000; the Christians, £1,340,000; the Mormons, £136,000; the Shakers, £18,000; the Moravians, £148,000; the Friends (i.e., Quakers), £820,000. Is e na bheil ann uile, £73,850,000; na bh’ ann uile ann an 1860, £35,700,000; na bh’ ann uile ann an 1850, £18,000,000. [TD 114] CUAIRT AN DEASAICHE. AN ILE. RAINIG sinn Port-Ellen ’s an fheasgar. Tha am port glé dhuilich faotainn a stigh ann; agus an déigh faotainn ann cha’n ’eil e ro chomhfhurtail. Bidh am baile so agus Tobar-mhoire agus Port-rì mu ’n aon mheud. Tha an làmraig ann aig gob creige a tha a’ ruith síos o mheadhon a’ bhaile. Tha bàgh beag air gach làimh do ’n chreig so a tha toirt seallaidh taitneich do ’n bhaile. Bha gach ni air an t-seann dòigh feadh a’ bhaile;—eòlach an sud agus an so aig oisein a’ faire lesùil dhearcanta gach coigreach a thig o ’n bhàta. Dh’ fheith mi tacun am Port-Ellen gus am biodh màlaid nan litrichean deas agus gus am faighinn gu Bogh-mòr ann an carbad fear-nan-litir. Tha an t-astar eadar an dà bhaile còrr is deich mìle. Leis an reubadh a bh’ ann bha am posta mu dheireadh ullamh gu falbh; agus chuir e slat gu driom agus sgal gu cluais an eich dhuinn chruaidh chnàmhaich. ’Se duine sgiobalta tapaidh a tha anns a’ phosta. Tha cuimhne agam gu ’n robh e aosda ’san dreuchd ’nuair nach robh mi ach a’m’ mhaothran balaich; agus gidheadh tha e ’g amharc cho lasgarra spraiceil ri mòran do na daoin’ òga. Cha ’n ’eil aige ach comas na h-aon làimhe; ach ’s ann annamh a tha an Gall no an Gàidheal dà-làmhach a bheir a chuid á comaidh cho mhath ris. Agus cosmhuil ri iomadh eileinach cha toir thu an t-eàrr dheth am Beurla no an Gàilig. Ach mu ’n charbad: ’Sann a bheireadh e an cuimhne neach àirc Noah; cha ’n ’eil ni no creutair ach beag nach toir e leis. Gheibhear am firionn agus am boirionn, am beag agus am mòr, an duine agus an t-ainmhidh ann. Cha bhi gné ni nach bi am posta deònach a thoirt leis. Cuiridh e na daoine an uchd a chéile; tòrraidh e cuairsgean do rudan eile aig an druim, fo ’n casan, agus cùl bac na h-easgaid. Cha bhi àite fallsa, fròg no fruchag nach lìon e. Air an fhesgar so bha buideal aige air a cheangal trasta aig an toiseach. Cha robh tacas math ’sam bith agam féin ás a’ bhuideal; agus mar dheadh Theampullach cha robh gràdh compànaich ’sam bith agam dha. Cha ghuilinn deur ged a chithinn sgàineadh a’ tighinn air a bhrù a leigeadh gach srad mu làr. B’ fheàrr leam e a thoirt bathadh air cridhe na talmhainn no bàthadh mu chridhe truagh loisgte a’ mhisgeir a dh’ òladh gloine no dha breitheanais dha féin ás a’ bholg mhi-naomh ud. Ach ged nach robh mise deònach bràithreachas ’sam bith a dheanamh ris a’ bhuideal cha b’ e sin do leth Ghall aig an robh bloidhean Gàilig a bha null còmhla ruinn. ’Nuair a shealladh e air a’ bhuideal thoisicheadh e air blaisimeachd gun fhios da agus thigeadh féath-ghair’ air. Bha mi féin agus am posta a’ smuaineachadh gur h-e am bodach a gheibheadh a los a leigeadh a mach mam faigheadh e féin agus am buideal ann an cùil. Cha robh sinn fad a’ deanamh an rathaid; oir chum am posta an drumach air an each dhonn (air leisg breug a dheanamh cha ’n ’eil fhios agam co-dhiù is each no làir a bh’ ann). Bha a’ Bheinn-Mhòr air an làimh dheis agus uaipe-se sìos air gach taobh dhinn monadh fada réidh air gach taobh gus an Tràigh-Mhòir. Tha an rathad a’ dol troimh Laoirinn, os ceann a’ Mhachaire, is Ghlinn-éige-dail a nunn seach monadh na Ducha, seach Tora, Amhainn- [TD 115] bhogaidh taobh Loch-mòr Thàlanta gu ruig thu steach do Bhogh-mòr, baile a tha mu mheud Phort-Ellen féin. Mu na ceàrnaidhean troimh ’n deachaidh sinn feudar a ràdh ann am briathran a’ bhàird ’Ic Dhunléibhe:— “Tha Ile ’n diugh gun daoine, Chuir a’ chaor’ a bailtean fàs.” A rìs: “Tha an nathair bhreac ’n a lùban Air na h-ùrlair far an d’ fhàs Na fir mhòr a chunnaic mise:— Thoir am fios so thun a’ bhàird.” Air son a leithid so do staid feudaidh na Gàidheil Ileach ìobairt an taing a thoirt do ghnè semurlain a bha ’s an àite ré ùine fhada ris an canteadh Uilleim Webster, a dh’ fhàg an t-eilein ’nuair a dh’ fhàsaich e mòran bhailtean agus a lìon e a phòcaidhean do òr air taillibh nan daoine bochda agus nan tuathanach. Feudaidh iad an aon ghnè taing a thoirt do Iain Mac-a-Reathaich a dh’ éirich á luideagan na failbhe agus na bochdainn gu bhi ’na uachdaran air sgìreachd Chill-Daltoin. Ach ged a chuir e air falbh na daoine ’s airidh Mac-a-Reathaich air cliù nach airidh an Websterach. Uiread sud air luchd-feannaidh nan Gàidheal. Ràinig sinn Bogh-mòr beagan an déigh dol fodha na gréine. Bha ciaradh na h-oidhche a’ sìoladh sìos gu tromadach air gruaidhean nan cnoc; agus ag éaladh gu duibhreach ann an samhchair nan lag. Cha do chuir am baile fathast mu thamh ged nach robh mòran gluasaid air fheadh. Ach tha teachd agus falbh a’ phosta ag aobharachadh tomhas do langan feadh a’ bhaile gu h-iomlan. Choinnich treud mòr cloinne sin a’ dol a steach am baile —— balaich is caileagan a thàinig a choinneachadh carbaid a’ phuist agus a ruith le gáire is le sgàrnaich ’n a dhéigh a steach am baile. O sin choisich mi sìos gus an Fhàrdaich Fhroinich, mu mhìle o ’n bhaile; agus ruig mi an dachaidh, crìoch mo thuruis. TI NAN SAGART. Air dhomh bhi oidhche aig an tigh b’ e mo rùn dol gu Rudha na Ranna, ceàrn nach fhaca mi fathast. Chaidh mi roimhe so troimh eilein Thiridhe, Mhuile, an t-eilein Sgiathanach is Leòdhais. Chunnaic mi barrachd dhiubh uile na chunnaic mi do Ile. Leis an aiseag fhaotainn thar Loch-na-Dàlach gu Sgiba, gheibhinn gus an Rudha gun dragh agus gun sgìos. Feasgar Dhi-Màirt ma ta, fhuair mi mach gu ’n d’ thàinig Sagart Sgiba agus frith-Shagart Chreag a’ Gheòidh leis a nall gu Iochd-Làrach, a’ cheud neach a’ tighinn a chur fàilte fiosrachaidh air bean uasal fhiachail a’ bhaile, agus fear Chreag a’ Gheòidh a’ dol gus an Fhàrdaich Fhroinich. Rùnaich na sagairt coinneachadh aig Iochd-Làrach mu shè uairean feasgar a ghabhail an aiseig dhachaidh. Choinnich mise aig a’ cheart àm a dh’ fhaotainn thairis leotha. (Na gabhadh neach ’s am bith oilbheum ged tha mi cleachdadh an fhocail sagairt an àite ministeir; cha ’n ann le seadh Pàpannachail ’sam bith a chleachd mi e; ach a chionn gur h-e a ’s giorra agus a’s taitniche fuaim. Cha’n ’eil ministeirean ’nan sagairt fo ’n t-soisgeul ach anns an aon seadh anns am bheil gach ball do eaglais Chrìosd ’nan sagairt). Fhuair sinn cuireadh [TD 116] is furan na féile o bhean-uasal Iochd-Làrach. Tha i ’na fìor bhana-charaid do ’n aobhar o cheann iomadh bliadhna anns a’ cheàrn anns am bheil i. Ni i beatha gach neach dhe ’m fairich i fàladh cùbhraidh na diadhachd. Bidh feadhainn ag ràdh gu ’m bheil i buailteach a bhi cur coimhicheis air cùbhraidheachd cuid—gu h-àraidh cuid a dh’ òganaich phlubach neo-sgiobalta nach gléidh an còmhnaidh grunnd fallan fo ’m buinn. Tha mi creidsinn gu ’n robh i glé earbsach ás na càirdean a bh’ aice an nochd; mur biodh car a theagamh aice ásam féin a bhrìgh a ghràidh a thug mi do na Dàin Ghàidhealach dheth nach saoileadh ise a’ bheag. Ach, co-dhiù, cha deachaidh sinn gu reusonachadh ’s am bith air a’ chùis an oidhche ud. Bha grunnan do mhnathan uaisle aice aig an tì mar an ceudna; agus ged nach d’ ullaicheadh cuibhrionn dhomhsa le càch cha robh mi idir gu deireadh. Aig coinneamhan de ’n t-seòrsa ’s iomadh cagnadh a nithear air na ministeirean; ged nach bi daoine faisg cho dian a chnàmh nam fìrinnean luachmhor a tha glé thric aig a’ chuid is ciotaiche agus is lugha loinn diubh. Ach ’n uair a bhithear ’gan caitheamh agus ’g an càineadh bithidh sinn an dòchas gu ’m bi mòran—gu h-àraidh a’ mhuinntir is Leis Féin a’ cnàmh agus a’ beathachadh air an teagasg mar an ceudna. Air do Mhoody agus do Shankey a bhi treis fo ’n fhiacail iad féin agus an dòighean neo-thimchioll-gheàirrte mar shaoileadh le cuid, thionndadh an còmhradh gu nithe car uaigneach nach fheudar a chur a ghnàth am follais. Bha dhà an sud agus trì an so a’ cainnt ri chéile mu òl an tì. Chunnaic mi gu ’n robh laoidhean Shankey làimh ris an inneal-chiùil, mar a chì thu ach gann anns gach seòmar air an t-samhradh so. (Is iad an dia is ùire a fhuair luchd-itheidh nam plaosg a ’m beathachadh. Ciod air bith cho anmhunn ’s a tha a’ bheatha a tha annta do shluagh an Tighearna, saorar iadsan o dheanamh iodhal-aoraidh dhoibh). Thòisich mi féin air farraid do òg mhaighdinn mhaisich a bha làthair mu na laoidhibh; ach bha i glé fhuar, fad ás, cha ’n fhaigheadh tu mòran ás a ceann mu ’n chùis. Bha mi smuainteachadh gu ’m b’ e na sagairt a bhi lathair a rinn i cho dùr sòluimte. Ach, co-dhiù, cha robh i ro eòlach ormsa; ged bha mise glé dheònach gàire a thoirt oirre, dh’ fheuch am faighinn beachd nam ban uasal Ileach air na laoidhean. Dh’ fhairtlich a’ chùis orm; agus deònach agus mar bha mise air fiach agus feum nan laoidhean a theagasg di féin agus do chàch cha d’ fhuair mi ’n cothrom. Theagamh gu ’n robh e cho math. Ach bha ioghnadh orm cho trom fad ás gnè ’s a bha ’n té so. ’S e an t-ainm a thug mise oirre ’n àm fàgail Mìnfhonn. ’Se ni cho taitneach ’s a thug mi fainear cho aon-inntineach ’s a bha na bha laithair mu nithean na rioghachd. Bha roinn do ’n chuideachd do ’n Eaglais Shaoir agus roinn do ’n Eaglais Shuidhichte. Air dhomh so fhaicinn bha e cur ioghnaidh orm ’na dheigh so a chluinntinn gu’n robh e air a chur ás leth cuid do na ministeirean gu’n robh iad ag áicheadh d’an luchd-èisdeachd dol a chluinntinn searmonaichean fìor shoisgeulach a chaidh a dh’ Ile agus do nach robh an dol a mach an dìomhain an áite no dhà. Tha mi ciallachadh Mr Fullarton, Baile nan Grànndach, agus Mr Bos, Baile Bhoid, ris an d’ éisd iomadh an Ile le mòr thogail. Ach thàinig crìoch air an tì ann an Iochd-Làrach; agus mun do dhealaicheadh [TD 117] bha focal aoraidh againn; cleachdadh inntinn is cuirp a tha ro éifeachdach a bhriseadh sìos nan eadar-dhealachaidhean a bhitheas ag èiridh am measg sluaigh. Tha suidheachadh aoraidh a’ toirt anman gus an aon chruth agus gus an aon staid an làthair Dhia. Bidh iad a’ cur ás leth nam ministeirean òga gu ’m bi iad a’ dol air chèilidh anns an fhasan so air son crìochan cridhe ris an canar “suiridh.” Ach mu na chunnaic mise air an fheasgar so b’e mo bheachd ma bha neach ’g a chleachdadh féin ’s an dreuchd ud ’nar measg-ne gu’n robh a nòs fo ùghdarras na diadhachd; agus gu’m biodh e feumail agus eideachail gu’m biodh an obair neònach ud air a giùlan air a h-aghaidh fo bhuaidh smachd na fìrinn, buaidh a ráinig air a’ chuideachd againn air an fheasgar so. AN T-AISEAG. A’ tighinn o Sgiba fhuair na sagairt ris na siùil trioblaid a bha iomraiteach agus aithnichte air gach taobh do ’n loch. Bha a’ ghaoth ’na uairean mi-riaghailteach, baosgaideach, is ioma-sgiathach. Agus is i làmh eugnaidh èasgaidh a chumadh na siùil làn. A nis a’ dol air ar n-ais bha a’ ghaoth còmhnard leinn, agus ràinig sinn tigh-soluis Sgiba ann an tiota. Fhuair sinn a null mar so gun dragh, gun chunnart. Agus gu dearbh fèin cha do chaill sagart Sgiba air a thurus thar an loch oir tha e nis a’ clobhadh dhachaidh le tìodhlac ro fheumail do fhear an toiseach a thigheadais,—fhuair sinn a null leinn dà chreutair circe; air leisg breug a dheanamh cha’n urrainn mi rádh co-dhiù is e dà chearc a bh’ ann no coileach beag is eireag;—cha do sheall mi ro mhionailteach; ged nach robh deireas air mar a chluinnte iad ’na uairean. GLEANN-MA-GAO.—GOB NA RANNA.—AN T-EILEAN MÒR.—TUNG MHAC AOI. Fialaidh agus dian agus mar bha iarrtus ministeir Sgiba air sinn a dh’ fhantuinn maille ris air an oidhche ud, gidheadh cha d’ fhuirich sinn. Shìn mi féin agus frith-shagart Chreag-a’-Gheòidh ás rathad a’ Phuirt. Bhiodh e mu naoi uairean ’s an fheasgar. Bha ciaradh na h-oidhche a’ dùmhlachdh agus a’ doimhneachadh mu ’n cuairt. Chluinneadh tu trom acain a’ Chuain Mhòir air gach taobh; mar gu ’m biodh e ag osnaich an déigh na sìth agus a’ chlois ud air nach ruig nàdur anns an staid a ta làthair. Tha e mar so samhlachail air cridhe anshocrach a’ chinne-dhaonna; air a luasgadh o thìr gu tìr, o aon chuspair gu cuspair eile, a’ ruith mar thuinn a’ Chuain Mhòir ud gus an sgàin an corp cré anns am bheil e air cladach na sìorruidheachd! Bha àile an fheasgair tlàth agus cùbhraidh le fosgladh bhlàthan an t-samhraidh. Bha na sgàilean a bha ag èaladh a nuas o dhoimhne nan speur a’ sgaoileadh gu tlusmhor an làmhan boga sìoda mu ’n cuairt oirnn mar gu ’m b’ e am miann ar pasgadh an luib am filidhean taibhseach. B’ iomadh do na suinn Ghàidhleach nach maireann a dh’ analaich anns an aon àile, a chunnaic na h-aon sgàilean taibhseach ioma-chruthach ud an gleann agus air beinn, a dh’ fhairich air an aon dòigh làthaireachd cumhachdach nàduir ’n a buadhaibh fiamh-ghintinn agus tàlaidh air faireachduinnean an anma air a leithid a dhòigh agus gu ’m biodh am mac-meamna a’ dealbh chru- [TD 118] than pearsonta ás na seallaidhean ceòthach ud anns an do shaoil leo gu tric gu ’m faca iad tannaisg nan sìnnsear a dh’ fhalbh ag iadhadh anns na neòil sgàileach mu ’n cuairt. Dhùisg a leithid sud a dh’ obair inntinn iomadh bodach is bòcan á failbhe chiair nan gleann. Agus am measg nan lagan ceòthach a bha ainmeil agus anns am biodh muinntir eagalach mar shaoilteadh leo a’ dol ann an co-chomunn ri turusaich o shaoghal nan spiorad bha Gleann-ma-gao. Chaidh sinn troimh ’n ghleann so mu bheul na h-oidhche. Ach glé chosmhuil cha robh na dùsgaich thaibhseach air tighinn á dorchadas nam bruach aig an àm. Sìos seachad an gleann so bha tighean thuathanach an sud agus an so air gach taobh dhinn. Ràinig sinn Creag a’ Gheòidh mu aon uair deug a dh’ oidhche an déigh sè no seachd a mhìltean a choiseachd. Bha geàrr iomradh anns a’ Bhrataich cheana mu Phort-na-h-aimhne agus mu Bhun-othunn (aimhne). Canar an Roinn ris a’ cheàrnaidh so do dh’ Ile—a réir coslais an roinn do ’n Eilein a bha aig Mac-Aoidh na Ranna, dha ’n d’ thugadh am “Brontanas” a gheibhear anns an àireamh roimhe so. Tha Rudha no Gob na Ranna a’ dol a mach gu math fada, gun a’ bheag do dh’ fhearann àrd ri fhaicinn ach beinn bheag ris an canar Beinn Tartamhill. Aig rinn na Ranna tha dà eilein air an d’ thugadh iomradh ann an àireamh roimhe so. Canar an t-Eilein Mòr ri fear dhiubh air am bheil tigh-soluis loinneil, fear cho eireachdail agus a tha mu ’n Oirear Ghàidhealaich. Chaidh sinn air an là màireach a shealltuinn air an tigh-sholuis. Tha sruth fiadhaich, cas, lunnach anns a’ chaol bheag ’na uairean. Ach fhuair sinn—bha ceathrar againn còmhla an dràsd, am maighsteir sgoile agus òg uasal eile mac sagart aosmhor urramach Phort-na-h-aimhne—an t-aiseag glé shuilbhir agus sgiobalta o iasgairean a’ Phuirt nach fhuiligeadh iomradh air duais air son an saothair. O mhullach an tigh-sholuis bha farsuinneachd seallaidh againn a bha ceutach,—o iomala cnocach na h-Eirionn gu àrd bheanna dorcha Mhuile; agus o dhruim ghuirm a’ Chuain Mhòir seachad Gob na h-Oa gu Maol Chinntìre. Mu ’n d’ fhàg sinn an t-eilein dh’ fhiosraich sinn Tung Mhic-Aoidh a tha air a thogail làimh ris an t-seann eaglais bhig a tha air an eilein. Bha ùghdarras Mhic-Aoidh mòr ’na latha féin; agus dh’ fheudhte gu ’n do chleachd se e le tomhas do ghliocas. Ach an diugh ’s i a chliù anns an uaigh mar a sheinn Dùghall Bochannan: “’Sionnan Alasdair Mòr Is an tráill a dhìth lòin A dh ’eug air an ’otrach bhreun.” Air dhuinn pilleadh fhuair sinn fiadhachadh fialaidh càirdeil do thigh ministeir Phort-na-h-aimhne anns an robh sinn ri ar biadh-feasgair a ghabhail. Chruinnich sinn ann an so air an fheasgar, agus mar a b’ e cleachdadh an là anns gach àite thugadh treis a’ cagnadh Mhoody is Shankey. Bha mi fèin car sgìth agus cha robh mi cho buileach labhrach agus a b’ àbhuist domh. Bha mi car deònach a bhi gabhail ris a’ ghnàth fhocal “gur labhrach na builg fhàs.” Bha sinn mar so a’ fàgail mòran do ’n chòmhradh aig an dà mhinisteir a bha làthair. Agus ged a bha fear diubh Saor is fear eile Suidhichte cha d’ thug iad làmh air claidheamh a thoirt á truaill: Mheudaicheadh a’ chuideachd an ùine ghoirid le teachd [TD 119] ban-nàbaidh òg uasal leis an robh ban-uasal eile a mhuinntir Ghlaschu air an robh cuid againn eòlach. A dhealachadh eatorra bheir sinn na h-ainmean Mala-mhìn air an té Ileach agus Lilidh ’nic a’ Ghoill air a’ bhan Ghall. Air dhoibhsan an turus a dheanamh dh’ fhàg cuid againn iad aig an tigh air do ’n oidhche bhi air teachd. ’Se ni a’s comharraichte a thug mi fainear cho lìonmhor agus a bha Laoidhean Shankey anns gach aite d’an robh mi dol. Thug na mnathan uaisle so treis air an cluich agus air an seinn dhuinn; ach thug mi fainear gu ’n robh e mòran ni bu taitniche le Lilidh ’nic a’ Ghoill an ceòl dannsa a chluich na ceòl nan Laoidh. Ach tha e ionmhuinn a bhi faicinn gu’m bheil na Laoidhean ’na leithid a mheas aig muinntir fhasanta; agus ’m bheil iad ’gan cur an àite a’ chiùil aoibhneis chleachdail a th’ aca. ’Se so mo bheachd fèin air na Laoidhean air am bheil mi glè dheigheil; iad a bhi air an seinn agus air an cluich aig an teallaich agus anns an t-seòmar rìomhach air gach modh measarra, riaghailteach; agus biodh na seann sailm bhrìghmhor, shùghmhor, agus iadsan a mhàin air an seinn ann an aoradh. Thug mi mo bheachd mar so air na Laoidhean do Mhalamhìn agus do Lilidh; ach a’ cheud tè, Min-fhonn, air an d’ thàinig mi trasta, cha d’ thug dhomh an cothrom. Tha mi a’ faicinn anns a’ Ghalltachd agus anns a’ Ghàidhealtachd, gur h-ann troimh bhuaidh nam ban ag oibreachadh air na fir, agus nigheanan air an athraichean, peathraichean air braithrean, a tha a leithid do chuthach air son ciùil air altrumas ann ar coithionalan. Tha cuid do chlann-nighean uasal an latha ’n diugh a tha caitheamh an treas cuid d’am beatha ri ceòl. Feumaidh an fhaireachduinn cheòlmhor, fheòlmhor so a ris beathachadh fhaotainn anns an eaglais air neo cha ’n fhiach agus cha ’n fhiù an t-aoradh. Cha’n ’eil ni ’sam bith againn an aghaidh ciùil ’n a àite fèin; ach ’se bu mhiannach leinn nach biodh ceòl mac-meamna dhaoine a’ togail àite ceòl diadhaidh sailm dheachta an Spioraid Naoimh. Bha mi fàgail air an là màireach, Ti-daoirn. Dh’ fhàg mi Creag a’ Gheòidh moch; is thug mi ás gu Sgiba, ministeir Chreag a’ Gheòidh agus am maighsteir sgoile a’ dol fad an rathaid leam a m’ fhaicinn thar an aiseig. Fhuair mi an t-aiseag gun dragh gun trioblaid o chàirdean suilbhir a’ mhaighsteir sgoile. Ràinig mi Bogh-mòr ’s an fheasgar. Chaidh mi an sin a shealltuinn air bàrd diadhaidh fear-cinnidh dhomh Mr Alasdair Mac Néill a tha aig aois mhòir, ach a gheibh thu fathast a’ cleasachd gu milis aoibhneach ri ceòlraidh Shioin. Cha do cheadaich ùine dhomh cuid d’ a dhàin a sgrìobhadh aig an àm; ach tha dùil agam am faotainn fathast. Bha mi nis a’ toirt soraidh do m’ chàirdean agus a’ deifreachadh rathad Phort-Ellen a choinneachadh na smùidich. ’S e an rud a b’ iongantaiche a thachair orm an comh-cheangal ri creideamh nan Ileach aon neach ro dhùrachdach a thachair orm ris an can mi Easbuig Charabuis do nach robh na ministeirean Saor no Daor deònach raon no gnùis searmonachaidh a thoirt; ’n uair a bha ’eud gu labhairt ’g a losgadh ach gann gu cuthach. Tha e ro choslach gur h-e gille math a th’ann. Ach an aghaidh so chuala mi bòruim anabarrach mu shearmoin a rinn ministeir air a’ choithional fèin air son an dìth eud;—a’ coimeas an luchd-dreuchd, an luchd-comunnachaidh, ’s gu lèir ri sionnaich. B’e a cheann-teagaisg: Dàn Sholaimh, II. 15. “Glacaibh dhuinn na sionnaich. no sionnaich [TD 120] bheaga, a mhilleas na croinnfhiona!” Cha chuala mi co-dhiù a dh’ fhàs na sionnaich ni b’eudmhoire; ach cha robh dìth eud air easbuig Chàrabuis. Ràinig mi Port-Ellen an àm iomchuidh air Ti-h-aoine. Bha mi riaraichte a chluinntinn cho eudmhor agus a bha gnothuichean an aobhair air an giùlan air aghaidh ’s a’ sgìre so fo riaghladh an Urr. Mr Lee. Nam biodh oidheirp anns gach àite cho beothail cha bhiodh na h-uiread an Ile agus ann an ionadaibh eile cho marbh. Choinnich mi eòlaich ann am Port-Ellen a bha leam gu ceann tuath Eirinn. LITIREACHD PHÀPANACH ’S AN FHRAING. THA’N FHRAING an dràst a’ strìth ri éirigh o’n duslach, agus ag oidheirpeachadh ri a doille spioradail agus ri a masladh aimsireil a chrathadh dhi. Tha eagal orm gu’m bheil an oidhirp so gun fheum; oir tha i ’s a’ choitcheannas ag àicheadh cumhachd ath-bheòthachaidh, soillseachaidh, agus àrdachaidh, “lagh Iehòbhah mhòir.” Tha’n Fhraing do’n bheachd gu’n toir i aiseirigh bheò oirre féin le sgriobhaidhibh nan ùghdar Pàpanach. ’Se ni iongantach e gu’m bheil sgoileirean a ta ag ràdh gur Pròthastanaich iad féin ag eadar-theangachadh nan leabhraichean so gu Beurla, agus ’g an moladh do dhaoine eile mar mheadhonan a ta freagarach gus an Fhraing a dhùsgadh á suain a’ pheacaidh agus á cadal a’ bhàis. Ach thugadh fainear gur h-ann a tha ’s na nithibh ceuman cuilbheartach nan slaightearan Iesuach chum freumh is fàs a thoirt do chreud sheachd-fillte sgrìosach na Pàpanachd. Tha ròidean iomadh-sligheach aig Duine a’ Pheacaidh gu creutairean a ribeadh is a mhealladh a los Pròthastanachd a chruth-atharrachadh gu Ròmhanachd. Tha dùil aig na h-ughdair Phàpanach air dhoibh féin a bhi dall gu spioradal, gu’n téid aca air muinntir eile a dhalladh gu litireil. ’S e cnaimh-droma nan sgrìobhaidhean aca Dia-àicheadh, reusontachd, is macmeamnaidh. ’S e “seanachd na litireach” an dlùth a tha aig eigeachan iomadh-dathach nam breabadairean Pàpanach dhe’ m bheil iomadh trusgan féin-fhìreantachd nan luideag salach air ’fhuaigheal is air a reic le tailliribh neo-choguiseach na Ròimh. Tha na figheadairean sagartach fo sheòladh an Innleachdair mhoir an t-Ard Phàpa a’ gnàthachad ha dheanamh suas a’ ghiobail ghroid so snàth-cuir do na seòrsachan a leanas,—Neo-thuiteamachd Duine a’ Pheacaidh, creideamh an t-sagairt, eadar-ghuidhe nan naomh, bròn air son nam marbh, faoisid, cumhachd leighis bhall-sinnsireachd nan aithrichean Pàpanach, mìorbhuilean nan naomh, purgadaireachd, agus mar sin sìos. 1. Ciod a ta an Ròimh a’ deanamh ri “Focal an De Bheò,” agus a mhaireas gu sìorruidh? Tha i ’g a shaltairt fo na casan. ’S e ’n t-ainm a thug fearionaid Chriosd, an t-Ard Phàp, Pius IX., air a’ Bhìobull ’s a’ bhliadhna 1854, “biadh puinseanta.” Labhair an t-ùghdar ainmeil sin Ioseph de Maistre ann an 1818 mu na sgriobturan air an dòigh so, “Nam bitheadh,” ars’ esan, “Comunn air a chur air chois chum am Bìobull a cheannach agus a losgadh bithinn am bhall dheth.” [TD 121] 2. ’S e ’n t-ainm tha aig a’ Phapa air “Saorsa ghlòrmhoir cloinne Dhé,” breisleach mhisgeach. Cha’n’eil duine saor, ach na daor-dhaoine aige-san. ’S i saorsa na Ròimh, do choguis, uile bhuadhan t-anma, buill do chuirp, do shochairean spioradail, agus do chòraichean saoghalta ìobradh do ’n Phàpa. 3. Creideamh. Am bheil riochd-fhear neo-thuiteamach Chriosd fallan ’s a’ chreideamh? Cha’n’eil. An uair a dh’ iarras a’ chlann aran air, ’s i clach a bheir e dhoibh. Tha e ’g a chur fein agus eaglais na Ròimh an àite Chriosd agus eaglais nan ceud-ghin. ’S iomadh anam neo-bhàsmhor a dh’ éireas ’s a’ bhreitheanas gu fianuis luath a thoirt an aghaidh na Pàpanachd a mhort anama a luchd-leanmhuinn. ’Nam measg cluinnear guth Phascail agus Mhaurice Guérin. 4. Cha ruig mi leas a ràdh gu ’m bheil an Ròimh ciontach de bhi cur a mhàthar ann an àite a’ Mhic—Muire an àite Chriosd—creutair an àite a’ Chruitheir. DAIN MEASARRACHD. II. Le cridhe dian is eudmhor théid sinn gu raon a’ bhlàir; Cath-ghairm na stuaim ag éigheach feadh cuairt a’ ché ’s gach àit; Is beannaichidh na mìltean an gnìomh ’s am bheil sinn ’n sàs ’N uair chi iad toradh dìlseachd ’n ar strì ri cup a’ bhàis. A sheasamh cliù ar dùthcha thig sinne dlù ri chéil’; Is coisrigear an lùs a chuir Tì nan Dùl ’nar gné Do aobhar maith is stuamachd a bheir oirnn nuadh dhreach nèimh A thogail iomadh truaghan a suas á inbhe bhreun. Bheir uisge glan nam fuaran a’ bhuaidh air fìon fa-dheòidh; Do dhibhe sgrios ’s a’ bhuairidh ar fuath cha chaill a threòir; Troimh neart an Tì is àirde ’s troimh ghràs a bheir sinn beò Théid sinne sìos do ’n àraich a shaoradh chàich o ’n òl! III. SEIS: Tha’n t-òl dol á fasan a chuideachd nan sàr; A Dhagon gun chasan a’ tuiteam gu làr. Tha ’m bochd is am beairteach ag ionnsach’ le chéil’ Gur deoch i tha feartmhor am bàs ’s an eu-céill. Tha ’n t-oibriche fòghlum a ghòrach mu ’n òl ’S a’ tilgeadh an stoip uaith le gairisinn air fheòil. Tha ’n t-uasal a’ faicinn gur cleachd e tha breun A’ salach’ a phearsa ’s a’ deothal a thréin’. Tha mhàthair ’san t-athair a’ toirmeasg d’ an cloinn Sgeith puinnsein na nathrach a lot oirnn ar suinn. Tha teachdair’ an t-soisgeil a nis teachd gu ’r taobh A’ creidsinn mar shalaich e cleachda nan naomh. ’S ro-ghruamach tha ’n t-athar mu mhalairt an òil; Tha feachdan a’ criothnach’ romh ’n dealan ’s na neóil. [TD 122] AN T-OLLA TEARLACH HODGE. A DHEASAICHE Rùnaich,—Cha ’n ’eil duine beò a’s airidhe air cuimhne a chuumail air am Bratach na Fìrinn na Tearlach Hodge mòr agus diadhaidh. 1. Cò e ma ta, deir leughadairean na Brataich, an t-Olla Tearlach Hodge? B’ i barail an diadhair mhòir nach maireann an t-Olla Uilleam Cunningham ceann-suidhe oil-thigh Dhun-éidin gu ’m b’ e Tearlach Hodge, ard-diadhair na linn ’s am bheil sinn beò. Ri so tha ’n dithis dhaoine ainmeil an t-Olla Seumas Mac Cosh an America, agus an t-Olla Seumas Mac Griogair, oid-fhògluim an Oil-thigh na h-Eaglaise Saoire an Dun-éidin a’ cur an aonta. Tha chliù so air a’ toirt do Hodge leis gach duine bhreithneachail, tùrail mu nithibh na diadhachd, agus leis gach ministeir soisgeulach an Eaglais Chriosd, cò aca tha iad Presbiteriach no Easbuigeach, Coimhthionalach no Baisteach. Tha ’n t-Olla Tearlach Hodge dhà is leth-cheud bliadhna ’na Fhear-teagaisg an Oil-thigh Phrinceton. A thaobh fallaineachd a bhreith-neachaidhean, Soilleireachd a bheachdan, agus farsuinneachd còlais, cha ghabh e cur an céill cho feumail is cho tarbhach ’s bha an t-oil-fhear Hodge ’s an dreuchd chudthromraich so. O cheann dà bliadhna aìr dha leth-cheud bliadhna a chrìochnachadh ’n a Fhear-fòghluim “chuir Eaglaisean Chriosd uile fàilte” air a nochdadh dha an taingealais agus am mòr-mheas air mar athair ann an Criosd, mar oid-ionnsachaidh, mar fhear-mìneachaidh air na sgriobtuiribh, agus mar ùghdar leabhraichean diadhaireachd agus sgrùdaidh. ’S e Hodge a chuir air chois an toiseach an lcabhar fiachail, fòghluimte sin a tha ’tighinn a mach uair ’s an ràith, ris an canar ‘The Princeton Review.’ Tre bhi na Dheasaiche aig an leabhar so bha e ’na inneal ann an làimh an Tighearna gu bhi craobh-sgaoladh teagasgan fallan ——— gu bhi gineamhain gràidh do ’n fhocal ann an cridheachan mhòran—gu bhi dìon na firinn—ach air an laimh eile gu bhi a’ rùsgàdh agus a tilgeil bun os ceann baoth-bharailean agus saobh chreideamh. Choisinn, an obair mhór a rinn e ann an rathad mion-rannsachaidh agus mìn eachaidh air litrichibh Phòil chum nan Romhanach agus nan Ephesianach mòr chliù dha am measg sgoileirean soisgeulach na h-Eaglais Chriosdaidh gu léir. Leugh, sgrùd agus chnuasaich Hodge gu mion, grùnndail am Bìobull, Augustin is Calbhin, Turrettin is Eduards —— agus gach ùghdar eile anns gach cànain, a ’s fhiach ainmeachadh o làithibh nan Abstol gus an là ’n diugh. Chrìochnaich e ’m bliadhna ann an tri leabhraichean mòra, an obair a ’s fòghluimtiche, a ’s feumaile, agus a ’s fiachaile a chaidh riamh a sgriobhadh le duine nach robh fo dheachdadh an Spioraid Naoimh. Feudar a ràdh gur h-e an t-Olla Tearlach Hodge posta a ’s fallaine agus a ’s laidire a ta againn, no theagamh a bhitheas againn ’s an Eaglais Chéirich Chalbhinich. Gu ma fada beò e le a cheann liath ’n a chrùn glòir dha ann an eòlas Mhic Dhé le a chridhe a’ deachdadh deadh ni; a’ cur an céill na nithe a rinn e do’n Righ, agus a theanga mar pheann fir-sgrìobhaidh dheis. GLASCHU. [TD 123] EARAIL DO LUCHD-COMUNNACHAIDH. LE MR MAC ADAM. THA soisgeul an Tighearn Iosa air a shàmhlachadh ri cuirm, do thaobh a phailteis;—ri cuirm phòsaidh mhic an righ. Leig dhomh labhairt air an ullachadh fheumail agus iomchuidh a tha anns a’ chuirm so. 1. Ann an soisgeul Chriosd, tha do’n fhìor cheidmheach, sochair maitheanais peacaidh; an t-sochair a’s misle do na h-uile. Cha’n e maitheanas aon pheacaidh gun mhaitheanas peacaidh eile; ach maitheanas gach uile seòrsa peacaidh—peacadh gin agus peacadh gnìomh—peacadh do dhath a’ chorcuir agus na scàrlaid—peacadh ann an dearmad agus peacadh ann an cuartachadh dhleasdanas—peacaidhean a’s truime na na beanntan agus a’s lìonmhoire na a’ ghaineamh. 2. Réite ri Dia. Feudaidh an righ ma’s e a thoil e maitheanas a thoirt do chiontach, gidheadh cha ghabh e steach gu ’chùirt e gu a ghnùis agus ’fhàbhar a thoirt da. Ach an uair a tha Dia tabhairt maitheanais do’n anam, tha e ’g a ghabhail a steach d’ a chùirt agus tha e tabhairt a ghnùise agus ’fhàbhair da. Tha Pòl ag ràdh “an uair a bha sinn ’nar naimhdean rinneadh réidh ri Dia sinn tre bhàs a mhic.” 3. Naomhachadh, slàinte, agus fallanachd anma. Is iad so nithe nach urrainn sinn a chruthachadh annainn féin ni’s mò na’s urrainn an t-Etiopianach a chraicionn dubh a chaochladh. Buinidh an obair so do’n Spiorad naomh. Tha sinn air a bhi ’nar luidhe am measg nam poitean gus am bheil sinn dubh mar an t-Etiopianach. Cò ach an Spiorad naomh a’s urrainn ’ar deanamh mar cholumain le’n sgiathaibh folaichte le airgiod agus air an còmhdachadh leis an òr bhuidhe; no mar nighinn an righ, uile ghlòrmhoir ’s an taobh a stigh, agus a h-éididh do’n obair ghréise le snàthaid. 4. Sìth ri Dia. Is sochair do labhairt prìseil i. Is sochair mhòr gu’m feudadh sinn am bìobull a leughadh, agus meadhonan nan gràs a fhrithealadh gun eagal lom-ruagaidh; ach is beag sin an coimeas ri sìth ri Dia. Tha Pòl ag ràdh gu’m bheil sìth Dhé dol thar gach uile thuigse. Aig breth Chriosd sheinn na h-aingil an t-òran so: “Glòir do Dhia anns na h-àrdaibh, sìth air thalamh agus deadh-ghean do chloinn nan daoine.” Nam bu mhaith leat fios bhi agad air meud na sochair so, rach a dh’ ionnsuidh an eucoraich air leabaidh a bhàis agus chi thu ifrinn a’ briseadh a mach aige air an talamh. Rach a rìs a dh’ ionnsuidh a’ chreidmhich air leabaidh a bhàis, agus chi thu e air uairibh air a thoirt ìosal trìd faireachaidh air peacadh agus folach gnùise Dhé; ach an uair a ta an Tighearn a’ togail soluis a ghnuise air, tha sìth agus aoibhneas aige. 5. Buaidh air a’ bhàs. Is leis a’ Chriosdaidh am bàs. Cha leis a bhàs esan, ach is leis-san am bàs. Tha Pòl ag ràdh, “Na h-uile nithe is leibhse, ma ’s beatha no bàs.” Ach is leis a’ bhás na h-eucoraich; tha iad ’nan creich dha, agus bithidh iad ’nan creich dha gu sìorruidh. Tha e ’na ni cudthromach do ’n chreidmheach gu tric a dhol fo sgàil a’ bhàis agus e tighinn faisg le eudainn uamhasaich agus làmhan fuara, ach cha ’n urrainn am bàs esan a chiùrradh oir thug Criosd an gath ás dhasan. Tha [TD 124] ’m bàs gu tric dha mar bha slat Mhaois a bha air a h-atharrachadh gu bhi ’na nathair; chlisg agus chriothnaich an duine roimpe; ach an uair a chuir e mach a làmh agus a ghlac e air a h-earball i, thàinig i gu bhi ’na slait bhuadhaich ’na làimh; mar sin tha ’m bàs air a thionndadh gu bhi ’na mheadhon mòr-mhaith do’n chreidmheach. 6. Slighe réidh tre ’n bhàs agus sealbh air an fhearann shona a ta ’n taobh thall a dh’ Iordan. Is e so an t-aran a bheòthaicheas agus a neartaicheas cridhe dhaoine, is e so am fìon a chuireas cridhe dhaoine air ghean agus air shubhachas! Feuch a nis gu’m bi sibhse cosmhuil ri Israel o shean, a leanmhuinn Chriosd. B’ esan a bha anns a’ mheall neòil dhoibh, mar is e ’bha anns a’ phreas theine, agus thug e nall thar a’ mhuir ruaidh iad; b’ esan a bha anns a’ charraig a bha ’g an leantuinn; b’ esan a bha ’g am beathachadh fad an cuairt anns an fhàsaich. Is fìor nach ’eil sinn a’ faicinn comharraidh air a làthaireachd mar a chunnaic iadsan; ach tha eiseimpleir Chriosd againn, agus teisteas nan abstol, agus fianuis an neòil mhòir a chaidh a steach gu bhi timchioll righ-chathrach an Uain. Feuch gu ’m bi sibhse ag itheadh “arain na beatha” mar bha Israel a’ caitheamh a’ mhana mar bhiadh làitheil anns an fhàsaich. Bithibh suarach air plaosgaibh salach an t-saoghail. Bitheadh bhur taic air Criosd mar aon ghràidh ar n-anama. Eiribh a nis o ’n bhòrd le a ghràdh ann bhur cridhe, agus le a chliù ann ’ur bilibh: agus gu ’n robh Dia na sìth e féin ’g ’ur coimhead! Amen. SEANN GHAILIG. AN DUAN ALBANNACH. I.—1050. A.D. A eolcha Alban uile, A shluagh feuta foltbhuidhe, Cia ceud ghabhail, an eòl duibh, Ro ghabhasdair Albanbruigh. Albanus ro ghabh, lià a shlogh, Mac sen oirderc Isicon, Brathair is Briutus gan brath, O raitear Alba eathrach. Ro ionnarb a brathair bras, Briotus tar muir n-Icht-n-amhnas, Ro gabh Briutus Albain ain, Go rinn fhiadhnach Fotudain. Fota iar m-Briutus m-blaith, m-bil, Ro ghabhsad Clanna Nemhidh, Erglan iar teachd ás a loing, Do aithle shoghla thuir Conuing. Translation. Ye learned of Alban altogether, Ye people shy, yellow-haired, Which was the first invasion, do ye know, That took the land of Alban? Albanus took it, active his men, That famous son of Isacon, The brother of Briutus without guile, From whom Alba of the ships is said. Briutus banished his bold brother Over the stormy sea of Icht. Briutus took the beautiful Alban To the tempestuous promontory of Fotudan. Long after Briutus, the noble, the good, The race of Neimhidh took it, Erglan, after coming out of his ship After the destruction of the tower of Conaing. [TD 125] AN LÚIREACH AGUS NA CNÁMHAN TIORAM. Ged a thòisichinn air rann, ’s ro aogaidh fann mo dhùil ris; A thaobh gach faoineacbd tha ’n am cheann, cha ’n éirich leam ach dùrdan. Tha agam coiseachd nach gabh tàmh, a’ toirt air àm mo lùths’ uam; A null am port nach tig mi nall, gun bhonn a’ m’ làimh dheth ’n chùineadh. A bhi co ìosal ris a’ chlann, le caithris sheann mo ghiùlain; Is air a’ bhaigearachd gun tàmh, ach ’se mo chall cha diù leam. Mo thruaighe! ’n siòl ’s an robh am bàs, air feadh gach àil gun chùram, Gu bheil e agam s’ a’ sìor-fhàs, ’s cha toir e bàrr ni ’s cùbhrai. Bha ’n inntinn dhìomhain riamh mar tha, aig spìonadh tràth na h-ùmhlachd; Mar eun ag itealaich gu h-àrd, ’s nach gabhadh tàmh ’s an dùthaich-s’. Na tràthan suidhicht’ rinn i fàs, le smuaintibh tàir is ùspairn; Cha d’ fhàg i ni a dheanadh slàint’, oir rinn i ’n t-àit a spùineadh. A dh’ easbhuidh tréibhdhireis is gràidh, tur falamh chàil ’s do dhùrachd; Chuir dòchas fealls mo chùis gu dàil, is luidh mi mhàn ’san smùrach. ’S ro chunnartach a’ chùis mar tha, gu’m bheil mi fàs ni ’s brùideil; Oir saoilidh càch gu ’n d’ fhuair mi gràs, is mis’ a’ tàmh ’n am dhùran. Gach eucoir rapach th’ air mo sgàth, thug mis’ am bàs le ’n giùlan; Is thìodhlaic mi iad fo mo shàil, an cladh na dàil ’s na dìchuimhn’. Mar thàinig dìteadh air mo ràth, ’s gu ’n thàrr mo chionta dlù rium, Tha seòrsa aoraidh ann mo ràidht’, chuir ás mo làimh mo dhù-lochd. Is coslach mi ri madadh tàir, le lotaibh grànnd a’ bùraich; Ach le a theangaidh a rinn slàn na leòin a ta ’ga chiùrradh. Tha comharradh eil’ agam nach feàrr, ’s e ann mo chàil gu lùbach;— Ma theich an saoghal dhe mo sgàth, ’n sin fàsaidh m’ aghaidh mùgach. Is ged a dheanainn còmhradh tlàth, ’s a chur fo sgàil ro chùiseil, Aon duine slàn cha tuig mo dhàn, ach daoine tàir’ neo-fhiùthail. ’S ro choslach mi ri òighibh baoth, gun oladh tàmh ’nan crùisibh; ’Sa nis air chùl na bha mi ’g ràdh, tha mi gun deis’ a’ phùsaidh. Tha ’n deis’ a rinn mi mar a b’ àbh’st, cha’ n’ eil nis feàrr na dùthchas, Oir o a mullach gu mo shàil, chai deanamh ’n àird do chlùdain. Oir chruadhaich i ’na cochull teann, air nach dean àmhghar drùghadh; Mar lùireach chath nach tugadh taing do fhrasaibh luaidhe ’s fùdair. Ach chuala mi mu mhac na stràic, ’n tràth phill e ’n àird do ’n lùchairt, Gu’n d’ fhuair e’n sud a’ chulaidh b’fheàrr, ’n uair thug e chàil do dh’ ùmhlachd. Oh! gu’n còmhlaich riums’ an Triath, a ghabh o chian fo chùram, Bhi toirt gu ceann na h-obair chrìocht’, ’s gu’n spìon e dhioms’ an lùireach-s’. [TD 126] An neach is maisich’ tha na ghrian, ’s mar lasair dhian a shùilean Gu’n tachair rium gu h-aoidheil fial, is leiginn dhiom an dùrdan-s’. ’S e dhaingnich cùmhnanta nan gràs a dh’aindeoin dearmad ’s cùil-bheart; ’S na h-uile cheannaich e le bhàs cha leig gu bràth dheth chùram. Le ’Spiorad taisbeanadh a thruais ge tric a fhuair e ’n diùltadh; A leaghas sìos an cridhe cruaidh, ’s bheir leigheas buan do ’n mhùireach. Tha Fhocal cumhachdach mar bha n’ uair thig e mhan gu h-ùrail; An cribealach gu’n dean e slàn, is bheir do ’n dall a shùilean. Ge b’e mar chaitheas mi mo là, ’s ged chuir mi dàil an cùram, Cliu a’s onair buinidh dha-s’, roimh ’n leagh a mhan na duilean. Co a chuir comain air a laimh, no dh’iarr ’san am an dusgadh? Nach cnamhan tioram iad ’sa, ghleann, gun ghuth ’nan ceann no duil ris. Nach cnamhan seachduidh iad mar bha, ro iosal tair gun iuil ac’; ’S am feòil air claonadh chum an lair, air ruith a mhan ’na smuireach. O! faic co uamh’raidh ’s a tha ’n gleann, gun sion ’nan laimh ni cuis dhoibh, Iad sgiotach sgaoilteach feadh nam beann, ’s na h-uile cnaimh dhiubh ruisgte. An laimh ’san cas gun fhios dhoihh c’ait’, gun cheann, gun chail, gun durachd; Gun uiread alt dhiubh ann na ait’, no smior gu ’m fagail urail. Ach cluinn ri ughdarras na h-aithn’, rinn cnamhan marbh gun luths annt’, Le feòil, a’s uilt, a’s craicionn slan, gach cnaimh ri cnamh dhiu dluthadh. N uair shéideadh orr’ an anail bhlath, tha ’n fhaidh’daireachd a’ giulan; N sin sheas iad suas nan armailt aillt, ’s do’n h-airdibh buinidh ’n cliu so. ’N uair fhuair iad so a mhéin a b’fhearr, ’n sin ghabh iad nair’ a’n uspairn; ’S air faicinn doibh a chuis mar bha, cha b’ iongnadh iad fas ciuirteach. Gu cinnteach ’s neo-ghlan leo an lamh, gun earbs’ ac’ ann le n’ du-lochd; Le ’n cridhibh stigh, ’s le ’m beul do chach, cha bhi iad mall ’ga rusgadh. Ach ged tha aca galair gràin, toirt orra ghna bhi ciuchran, Gidheadh tha ’m beò nach fhaigh am bàs, a’ gabhail tamh ’nan cuirtibh. Gu ’n eirich onoir dha ni’s aird’, thug o na bhàs gu dluth iad; ’S a chuir an òrdugh iad chum slaint’, ’s nior ghabh e gràin dhe ’n cuisean. O tarruing leat do phobull graidh. ’n sin laimh air làimh gu surdail; A’s togsa suas gu daingean tear’nt’, an t-ionad taimh aig Iudah. An tréud ro bheag a th’ agad ann, thoir dhoibh gun tamh an durachd; A’s dealraich orr’ le boillsgeadh blath, bheir air a ghleann gun duisg e. An sin bidh ’n sluagh air féilltibh slaint’, ag iomlaid lamh do chuinneadh; ’S thu féin a’ cumail suas an càil, gun sguir a’ tairgse cliu dhuit. [TD 127] Ach ’s riobach luideach mi ’s gach ait’, gu dian ag caramh chludan; Ged tha mi faicinn snuadh a bhais, cha ’n ’eil mi taladh curam. Cha ’n fhiù mi uatsa freagradh graidh, ach ’s aithne dhuit ’m uil’ ionndrainn; Air sgath na fola ’s am bheil slaint’, thig thus’ a mhan le ughd’ras. A’s O mo Thriath! na tilg mi dhiot, ’s mi aosmhor, liath, gun churam; O’n ’se do rian bhi leigheas ghiamh, le sin thoir dhiom mo dhu-lochd. Na bi feargach ris na tha, ach tre do bhas thoir duil dhomh; Oir c’aite ’n teid mi leis gach cas, ach fo do lamh ’s do shuilean? Gibhtich t’ fhocal dhomh gu brath, ’s do fhreasdal caraich dlu rium; A’s bi dol romham anns gach ait’, a’s dean-sa tearn’t mo chulaobh. O! Thus’ a bhuadhaich air a bhas, ’s a ghabh ri anradh dubailt; A nis na ghluaiseas air an lar, gu ’n seinn gu h-arda cliu dhuit. ’S tu chuir do ghualainn ris a chas, a thaobh do ghradh a’s t’ umhlachd, Dha d’bhuadhaibh glan-s’ nach maitheadh strachd, ’s nach cuireadh dail ’s an fhuirneis. O! ’n rathad glan ’s e dìreach tear’nt’, uasal, sar-mhaith, cliuiteach; ’N trath chì mi sealladh dhe mar tha, ’n sin ni e slan mo chuirtean. Nach ann bha agam-sa fior chail, a’s teas do ghradh ’s do dhurachd, Chum cliu a’s urram dha gu brath, bhi gabhail tamh a’ m’ chuirtibh. MAC RATH. GUTH AS A’ CHLACHAN. AN lorg an dealain-fhios a fhuair mi an Ile, cha robh fada gus an robh mi ’s a’ Chlachan Cheanntireach. Air an dara Di-sathuirne mu dheireadh do Iulai dh’ fhàg Deasaiche na Brataich agus mi féin Glaschu mòr nan stìopall leis an Smùidich Rìoghail sin an Iona. Chaidh esan air tìr am Baile-Bhòid; ach lean mise rithe gus an do rainig mi an Tairbeart. Air bòrd air an lùchairt rìomhaich so bha gach seòrsa sluaigh—àrd is ìosal—beag is mòr—sean is òg. Bha fir is mnathan, caol is tiugh, gu glan sgiobalta air an éideadh le còtaichibh iomadh-dathach is le suaineagaibh breaca. Cha robh dath ’s a’ bhrataich nach faicteadh an sud. Ràinig mi ’n Clachan air feasgar an là sìn féin. Chuireadh furan is fàilte chridheil orm leis a’ ghàidheal uasal Mr Uilleam Mac Ionmhuinn, Fear Bhaile-na-cille. ’S e fèin smior an duin’-uasail, aig am bheil cridhe na féile. Cha ruig mi leas innseadh aig an àm so, oir chualas is chunnacas cheann iomadh bliadhna gum hheil aig Fear Bhaile-na-cille cridhe, tigh is sporran, fosgailte do chùisibh, nan Gàidheal is nam feumach; araon ann an nithibh aimsireil agus ann an nithibh spioradail. Air dhomh dol a dheanamh mo chas air feadh oighreachd Bhaile-na-cìlle Di-luain, cha mhòr gu’n tachradh duine orm ach Gàidheil le an cinn làn Gàilig ás gach cearnaidh do ’n Ghaidhealtachd, ach gu sònruichte ás an Eilean Sgiath-anach. Chuir e mòr thoileachas orm na Gàidheil chalma, thapaidh so fhaicinn a’ tional timchioll [TD 128] air Fear Bhaile-na-cille a los rathaidean is drochaidean ùra a dheanamh air an oighreachd aige. Cuiridh na Gaidheil air sàbaid is air seachduin eiseimpleir mhaith roimh òigridh na dùthcha, ni nach dean na h-Eirinnich àite air bith am faighear iad. Thachair gu’n robh na h-òrduighean air am frithealadh ’s a’ Chlachan m’an d’ fhág mi. Am measg nan teachdairean mòra agus diadhaidh a bha ’nan luchd-cuideachaidh aig comunnachadh a’ Chlachain bha an t-olla fòghluimte Ualter Mac-Gillebhrà á Abaireadhain. Cha mhòr do luchd-leughaidh na Brataich nach cuala an t-òlla urramach an àit’-eigin a’ searmonachadh Beurla. ’S a’ chànain so, mar tha fhios agaibh féin, cha bhi talla no eaglais ’s am bi e nach bi làn gus na dorsaibh. Ach cò ’n Gàidheil air nach bi uaill an uair a dh’ innseas mi dha gu’n cuala mi an t-Olla Mac-Gillebhrà aig Comunnachadh a’ Chlachain a’ Searmonachadh Searmoin Ghàilig cho deas-fhacalach, cho cheart-chainnteach agus cho ùr-labhraidh, fileanta is a dh èisd mi riamh? Ged nach faicinn ’s nach cluinninn aig a’ Chlachan ach an t-Olla Mac Gillebhrà a’ Searmonachadh mo chànain ghràidh mhàithreil a’ Ghàilig, b’ fhiach e tighinn thar na Linne Rosaich a èisdeachd. Cha ’n ’eil ùine agam labhairt air Eilean Ghigha, ged thug Mr Mac Ionmhuinn sin là a shealltuinn air ’s a’ sgoth-luingich (steam yacht) aige féin. Cha mò tha ni dol a dheanamh sgeula fada air an t-sàbaid a bhi mi an Cilleinn an àite an diadhair chliùiteich sin an t-Urr Mr Mac-a-Phearson. Ma chunnaic mi coimhthional riamh a bha beò air smior a’ chruithneacd ghloin agus a bha a’ gabhail an làn-dhiol do ’n mhil o ’n charraig chruaidh is e so e. Air dhomh pillitinn do ’n Chlachan Di-luain agus Tighearna Chabhain a chluinntinn a’ toirt facal earail do ’n t-sluagh ’s an fheasgar, rùnaich mi gu’n cuirinn m’ aghaidh air Glaschu Di-màirt. Dh’ òrduich Fear Bhaile-na-cille a smùideach age féin a’ bhi an uidheam aig deich uairean ’s a’ mhadainn gu ar toirt suas gu ceann Loch-an Tairbeart. Air dha so a bhi deanta, ghabh e ais bòrd, Lighearna Chabhain, a bhràthair fein, agus mise; agus ràinig sinn laimrig cheann Loch-Tairbeart, dìreach mar bha ’m Bata-Ileach a’ cur a h-aghaidh air Leòdamus. Dh’ fhàg mi beannachd aig an truir dhaoine inbheil so ann an seòmraichean. na h-Iona, agus a cur m’ aghaidh air ’Drochaid nan Gàidheal’ an Glaschu, b’ i smuain mo chridhe, Cha ’n eil àite ann cosmhuil ris a’ Ghàidhealtachd, ni mò tha daoine ann cosmhuil ris na Gàidheil. FIOS COITCHEANN. Tha an t- Urr. Iain Mac Aoidh, M.A., air gairm fhaotainn, agus air a shuidheachadh ann an Gleann-Liodhann am Peairt. Tha an t- Urr. Ailein Camaron, searmonaiche òg eile, ’g a shuidheachadh ann an Gobhan làimh ri Glaschu. Tha an t- Urr. A. Camaron, air am bheil na Gàidheil oileanach anns gach ceàrnaidh eòlach, a’ fagail Rentoin, agus a’ dol do Bhrodick an Arainn. [TD 129] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 9.] September, 1874, [LEABH. II. DUSGAIDHEAN. AMANNA FIONNUAIREACHD LATHAIR AN TIGHEARN; GNIOMH III. 19. I. Dùsgaidhean ’s an t-Seann Tiomnadh. ’S e treud Chriosd a bheathachadh agus peacaich iompachadh an obair a ’s glòrmhoire ta fo ’n ghréin. ’S iad na meadhonan àraid tre’m bheil an deadh obair so a’ toiseachadh, a’ freumhachadh, a’ doimhneachadh, agus a’ fàs gràs agus freasdal. ’S ìad na h-innealan focal agus seirbhisich an Dé Bheò. Ach ’s e ’n Spiorad Naomh a mhàin a ta cur beatha anns na meadhonaibh, agus a’ deanamh nan innealan éifeachdach chum crìochan gloìre Dhé a choimhlionadh. ’S ESAN gu cleachdail anam-fàis nan meadhon is buaidh-teàrnaidh nan inneal ’S iad na meadhonan a dh ’aidicheas e, agus, na h-innealan a ghnàthaicheas e, “lagh an Tighearna ta iomlan ag iompachadh an anama,” agus na seirbhisich ’a ghairm e, a chuir e, d’an eagal e, is aig am bheil a rùn, agus d’ an d’ fhoillsich e a choimhcheangal. Orra so tha eud mu ghlòir Dhe, is foillsichidh iad uile chomhairle. ’S e ’n rathad àbhuisteach agus riaghailteach ’s am bheil rìoghachd Dhé a’ teachd agus a’ craobh-sgaoileadh ’s an anam is anns an t-saoghal, meadhonan uaigneach is follaiseach nan gràs. Ach do bhrigh nach iad smuainte an Tighearn ar smuainte-ne, agus nach iad a shlighean-san ar slighean-ne, tha e ’na uairibh a’ bristeadh a steach air suain chlann nan daoine le gluasadaibh criothnachail ann an dòigh neo-àbhuistich, mar air Latha na Cuingeis, agus aig àm an Ath-leasachaidh. Tha e mar so ag ath-bheòthachadh eaglais féin, ag iompachadh pheacach, a’ toirt crith air luchd an Dia àicheidh, agus a’ taisbeanadh dhoibh mòrachd is àrd-uachdaranachd, cliù is cumhachd, a shaor-ghràis. Tha gach dùsgadh spioradail araon ag ath-dhùsgadh na muinntir a ta marbh ann an euceartaibh agus ann am peacaibh. ’S iad so na h-amanna fionnuaireachd a tha teachd o làthair an Tighearn. 1. A réir coslais gur h-e a’ cheud ghluasad a bha ann ri linn an t-Seann Tiomnaidh, ann an làithibh Sheit. “An sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.” O so tha ri thuigsinn, gu ’n robh ni-eigin do dhùsgadh coitcheann am measg dhaoine roimh ’n Dìle. 2. Tha a rìs cùnntas mionaideach againn air ath-bheòthachadh sònruichte ré laithean Iosua; “Rinn an sluagh seirbhis do ’n Tighearna ré uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an déigh Iosua, a chunnaic uile oibre mòra an Tighearna, a rinn e air son Israeil.” Ré na h-ùine so bha Israel uile mar aon duine a’ deanamh seirbheis do ’n Tighearna. Ach an déigh bàis Iosua agus nan seanair diadhaidh, thàinig bàs is claonadh air Israeil; “Chruinnicheadh mar an ceudna an [TD 130] ginealach sin uile chum an aithriche; agus dh’ éirich ginealach eile suas ’nan déigh, do nach b’ aithne an Tighearna, no na h-oibre a rinn e air son Israeil; agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna.” Tha e soilleir gu ’n robh beatha, eud is dìlseachd do ’n Tighearna gu cleachdail is gu coitcheann air siubhal Israeil aig an àm so. ’S e sluagh ceannairceach agus rag-mhuinealach a bh’ ann an Israel. Cha deach aon do na dh’ fhàg an Eiphit le Maois a steach do Thir a’ Gheallaidh, ach Iosua is Caleb. Bhàsaich an còrr ’s an fhàsach. Ach b’ e an clann a rugadh is a thogadh ’s an fhàsach air an d’ thàinig an dùsgadh so, agus a thug fianuis air gu ’n robh beòthas is blàthàs nan gràs ’n an anmaibh. B’ iad meadhonan an dùsgaidh; 1, oibre mòra an Tighearna, is coimhlionadh fhocail; 2, o làithibh an oige fhuair iad oilean an fhàsaich—cruadalan is deuchainnean a theagaisg dhoibh gu ’n robh iad an crochadh air Dia ann am freasdal is ann an gràs, agus gu ’m b’ e an dleasanas a bhi umhal d’ a thoil àrd-uachdaranail-san; 3, chuala iad Lagh an Tighearna air a leughadh, agus thug an Spiorad Naomh aithne spioradail dhoibh ’n an cridheachaibh air firinnibh an fhocail. Oir tha e soilleir o eachdraidh is o fhéin-fhiosrachadh Israeil, nach dean fàsach, no cruadal no míorbhuile, anam iompachadh no ùrachadh dealaichte o lagh is o Spiorad an Tighearna. Oir dùsgadh air bith ’s nach faighear focal fìorghlan ìs Spiorad Glòrmhor Iehobhah air an aideachadh, cha’ n’ eil “’s an iomlan deth ach obair nam fear-ceirde, a bhitheas mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh; mar am moll air ’fhuadachadh le cuairt-ghaoith o ’n urlar-bhualaidh; agus mar thoit a mach ás an luidheir.” 3. Tha iomradh comharraichte againn air dùsgadh sònruichte eile ann an eachdraidh nan Rìghrean. “Agus leugh Saphan Leabhar an Làgh an làthair Iosiah an righ. Agus an uair a chual an righ leabhar an lagha reub e ’eudach. Agus dh’ aithn an rìgh do na sagairt, do na sgrìobhaichibh, agus do na seirbhisich, ag ràdh, Rachaibh fiosraichibh do ’n Tighearn air mo shou-sa, agus air son an t-sluaigh, agus air son Iudah uile, thaobh bhriathran an leabhair so a fhuaradh; oir is mòr fearg an Tighearn a tha air lasadh nar n-aghaidh, a chionn nach d’ éisd ar n-aith riche ri briathraibh an leabhair so, a dheanamh a réir gach ni a ta sgrìobhta d’ ar taobh.” Bha leithid do mheas aig an righ dhiadhaidh so air leabhar an lagha, agus a leithid do chùram air cha b’ e mhàin mu chor aimsireil, ach gu h-àraidh mu chor spioradail a shluaigh, gus an “do chuir an rìgh teachdairean uaith, agus chruinnich d’ a ionnsuidh uile sheanairean Iudah, agus Ierusaleim. Agus chaidh an righ suas do thigh an Tighearn, agus daoine Iudah uile, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim maille ris, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr; agus leugh e ’n an éisdcachd uile bhriathra leabhair a’ choimh-cheangail, a fhuaradh ann an tigh an Tighearna.” Chithear o na briathraibh a leanas cho domhain is cho farsuinn ’s a bha an dùsgadh anma, agus an t-ath-leasachadh cridhe agus slighe a dh’ oibrich Spiorad an Tighearna gun laoidhean agus gun orgain, ach a mhàin tre leughadh “uile bhriathran Leabhair a’ Choimh-cheangail;” “Agus sheas an righ làimh ri post, agus rinn e coimh-cheangal am fianuis an Tighearna, gu ’n [TD 131] gluaiseadh iad an déigh an Tighearna, agus gu ’n gleidheadh iad ’aitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan, le ’n uile chridhe, agus le ’n uile anam, a choimhlionadh bhriathran a’ choimh-cheangail so, a ta sgrìobhta s an leabhar so: agus sheas an sluagh uile ris a’ choimhcheangal.” Chaidh aig an àm so an cuthach mallaichte ás déigh iodhalan a bha ann an cridhe Israeil a sgrios, agus an cumhachd a thilgeadh bun os ceann ’s an rìoghachd, agus ghleidheadh Càisg do ’n Tighearna, a réir mar a ta e sgrìobhta ann an leabhar a’ choimhcheangail, mu ’n d’ thuirt an Spiorad Naomh; “Gu cinnteach cha do chumadh a leithid so do chàisg o làithibh nam breitheamh a thug breth air Israel, no ann an uile làithibh rìghrean Israeil, no rìghrean Iudah; ach ams an ochdamh bliadhna deug do rìgh Iosiah, chumadh a’ chàisg so do ’n Tighearna, ann an Ierusalem.” 4. Tha tri dùsgaidhean eile air an d’ thug an Spiorad Naomh cùnntas duinn ’s an t-Seann Tiomnadh; a’ cheud aon, fo rìoghachadh Asa; an dara aon, fo rìgh Heseciah; agus an treas aon, ann am Babilon, aig àm a’ bhraighdeanais, an uair a phill an Tighearna am bruid air ais mar shruth ’s an àirde deas. Mu ’n bheòthachadh ghràsmhor so, tha Esra beannaichte, ag ràdh; “Agus a nis car tamuill bhig nochdadh gràs o ’n Tighearn ar Dia, a dh’ fhàgail duim fuighill, agus a thabhairt tairnge dhuinn ’na ionad naomh, chum gu’n soillsichidh Dia ar sùilean, agus gu ’n tugadh e dhuinn beagan beòthachaidh ’nar daorsa.” Tha e ’na theagasg sòluimte gur h-ann am measg na h-òigridh a thòisich araon an gluasad so, agus an gluasad ’s an fhàsach an uair a bhàsaich na h-aithrichean coirbte agus aingealta. 5. Dh’ fheudteadh labhairt air dùsgaidhibh eile mar gheibhear anns a’ chuigeamh salm thar a’ cheìthir fichead; agus anns an dara salm thar a’ cheud, o ’n treas rann deug gus an dara rann thar an fhichead. Leughadh an leughadair an dà shalm so gu cùramach agus chi e an eaglais an sàs ris na flaitheanais ann an ùrnuigh, agus an sin a’ toirt buidheachais do ’n Tighearn a sheall air an talamh agus a dh’ fhiosraich e le amannaibh fionnuaireachd o a làthair. II. Dùsgaidhean ’s an Tiomnadh Nuadh. Tha ceangal do-sgaraichte eadar an Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh. Tha a’ cheud fhear ag ràdh gu ’m bheil Criosd ri teachd, agus tha dara fear ag ràdh gu ’n d’ thàinig e. ’S e Criosd brìgh agus suim an dà Thiomnaidh. Dhasan thug na fàidhean uile, agus na h-abstoil uile fianuis. ’S i fianuis Iosa spiorad na fàidheadaireachd. ’S e an Seann Tiomnadh briseadh na faire; ach is e an Tiomnadh Nuadh solus a’ mheadhon-là. Cha ’n ’eil ach aon Dia, aon Chriosd, aon Spiorad, aon taisbeanadh agus an t-aon sèorsa pheacach ’s an dà Thiomnadh. “A nis tha eadar-dhealachadh thiodhlaca ann, ach cha ’n ’eil ach aon Spiorad ann. Agus tha eadar-dhealachadh frithealaidh ann, gidheadh cha ’n ’eil ach aon Tighearn ann. Agus tha eadar-dhealachadh oibreachaidh ann, ach is e an t-aon Dia, a tha ag oibreachadh nan uile nithe anns na h-uile; . . . ach na nithe sin uile tha an t-aon Spiorad ceudna ag oibreachadh, a’ roinn ris gach aon fa leth a reir mar is àill leis.” Tha an Seann Tiomnadh a’ deanamh iomraidh air dùsgaidhibh an Tiomnaidh Nuaidh. Faic Isa. Lii. 7, Liv. 1-5; Esec. xxxvi. 25; Hos. [TD 132] xiv. 4; Ioel. ii. 28. Tha coimhlionadh gealláidh an Tighearna ann an rathad eideachaidh a shluaigh, agus ann an rathad iompachaidh pheacach a’ dol ni ’s farsuinne gach ginealach. Falbh gu meadhon locha, agus tilg clach mhòr a mach innte, agus chi thu na tuinn chuartagach a’ dol am meud agus a’ farsuinneachadh gus fa-dheòidh an téid iad ás an t-sealladh air bruachaibh an locha. Mar so bidh geallanna an Tighearna a’ dol am farsuinneachd ’nan coimhlionadh, gus am bidh e air a ràdh, “Rinneadh rìoghachdan an t-saoghail so ’nan rìoghachdaibh d’ar Tighearn, agus d’ a Chriosd-san, agus bithidh e, na rìgh gu saoghal nan saoghal.” Cha ’n iad creideamh ùr no diadhachd ùr a bha air am foillseachadh ’s an Tiomnadh Nuadh; ach an aon diadhachd agus chreideamh a bha air an taisbeanadh ’s an t-Seann Tiomnadh, ann an tomhas ni bu shoilleire agus ann an ceum ni bu choimhlionta na bha ’san t-Seann Tiomnadh. Ann am measg a’ chùl-sleamhnachaidh fhollaiseich, agus am measg nam beachdan feòlmhor a bha air siùbhal Israel, bha feadhain uaigneach ann, aig an robh cumhachd na diadhachd ’nan anmaibh, agus aig an robh “dùil ri sòlas Israeil, agus air an robh an Spiorad Naomh.” 1. Bha iad so uile air an ùrachadh agus air an ath-phiileadh fo mhinistreileachd Eoin Baiste. An uair a thòisich Eoin air searmonachadh am fàsach Iudea, thàinig gluasad mòr agus ath-leasachadh farsuinn am measg a luchd-dùthcha. “Chaidh Ierusalem a mach d’ a ionnsuidh an sin agus Iudea uile, agus luchd-àiteachaidh na dùthcha timchioll Iordain uile. Agus bhaisteadh iad leis-san ann an Iordan, ag aideachadh am peacanna.” Bhaist Eoin le h-uisge chum aithreachais, ag ullachadh na slighe air a SHON-SAN a bha gu baisteadh leis an Spiorad Naomh agus le teine. 2. Criosd. So deadh sgeul mhòr aoibhneis a bhitheas do ’n uile shluagh. Solus a shoillseachadh nan Cinneach agus glòir do phobuill Israeil. Cha ’n ’eil iomradh againn fo theagasg Chriosd féin air gluasadaibh ’s am bith tre ’n robh lionmhoireachd sluaigh aig aon àm air an dùsgadh. Bha gun teagamh àireamh, aon an déigh aoin, air an gairm gu éifeachdach agus air an iompachadh fo mhinistreileachd ar Slànuighear Beannaichte. Chuir e innealan air an cois. Ghairm e an dà fhear dheug. “Dh’ òrduich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus tri fichead eile, agus chuir e lìon dithis agus dithis roimh a ghnùis iad, do gach baile agus àite anns an robh e féin gu teachd.” Chrìochnaich e gu glòrmhor agus gu buadhach an obair a thugadh dha r’ a deanamh. Shaoil an saoghal gun Dia, gu ’n do thilg iad bun os ceann gach ni air an robh coslas na naomhachd, is aig an robh beatha na diadhachd, an uair a cheus iad Tighearn na glòire. Ach ’s ann a dh’ fhosgail so slighe chum Spiorad nan gràs agus nan athchuingean a dhòirteadh air Iudhaich agus air cinnich ann an dòigh ni bu phailte agns ni bu chomharraichtiche na riamh roimhe so. 3. Latha na Cuingeis. Air an là iomraiteach so lìonadh na h-abstoil leis an Spiorad naomh, agus rinn gràs teàrnaidh greim air an luchd-éisdeachd, ionnas gu ’n do dh’ iompaicheadh tri mìle anam le aon searmoin. Sheas Peaear mar chlach bheò air an steidh bheò,—Criosd, agus air an là sin féin, leag e air a’ bhunait thaghta, dhearbhta so, stéidh na h-eaglais Chrìosduidh, ann an tri mìle clach bheò a chuir [TD 133] air an aitreabh. Thòisich an gluasad so aig Ieursalem, cridhe na dùthcha, agus ràinig e Iudea, Samaria agus iomall na talmhainn. Bha nis dùsgaidhean ann am Baile na h-Aithne, ’s an Ròimh, agus ann an Corintus; ann an Galatia, Asia, Cappadocia, agus am Bitinia. Chuir an Tighearn thall agus a bhos am measg Iudhach agus Chinneach, gach là ris an eaglais an dreann a thèaruinear. Lean an obair ghràsmhor so fathast. Oir gus an tionail am Buachaill maith a threud uile leis gu tigh nan iomadh àite còmhnuidh, bithidh e ag ath-bheòthachadh cuid, agus, ag iompachadh cuid eile. ’S i ’n obair mhòr so crìoch àraidh rìoghachd nan gràs, le a ministreileachd shoisgeulach, le a geallannaibh, le a bagraidhibh, le a sàbaidibh, agus le a h-eaglaisibh. III. Dùsgaidhean an eachdraidh na h-eaglais. Tha eachdraidh na h-eaglais co-ionnan ri eachdraidh an anma ghràsmhoir, aig am bheil amanna fàis agus seargaidh, amanna adhartais agus claonaidh, cosmhuil ri earrach agus ri samhradh, ri àm sìolchur, agus ri àm fogharaidh. 1. Am an Ath-leasachaidh. Aig an àm dheuchainneach so thàinig an Spiord Naomh a nuas a cheartachadh na h-eaglais ’na dàimhibh aimsireil agus ’na cor spioradail. Dhùisg e beagan dhaoine treuna, eudmhor aig an aon àm, ’s an Fhraing, ’s a’ Ghearmailt, an Suitserland, agus am Breatunn. Dh’ éirich Grian na Fìreantachd le beatha is leigheas fo a sgiathaibh air na dutchanna marbh euslan so, a’ beòthachadh agus a’ leigheas mhòrain. Leagh teas na Gréine so reòiteachd fhuair a’ bhais Spioradail, agus dh’ ùraicheadh agus dhùisgeadh an eaglas. Thilgeadh air chùl aitheantan agus beul-aithris dhaoine, leis gach treamasgul salach eile d’ an t-seorsa sin, a dhealbh macmeamnaidh dhaoine aig nach robh ach foirm na diadhachd. Dh’aiseagadh Focal an Dé Bheò gu a ùghdarras néamhaidh; mar a’ teagasg gu h-àraidh gach ni a’ s còir do ’n duine chreidsinn mu thimchioll Dhé, agus an deasanas a ta Dia ’g iarraidh air an duine. Thug an Spiorad gnúis d’a so, rinn aithriche an Ath-leasachaidh greim daingean air teagasg an Fhìreanachaidh tre chreideamh, agus sheas iad neo-ghluasadach air priòmh-fhìrinnibh a’ Bhiobuill; agus le an cas air a’ chreig so, thug iad crith air rìoghachd an dorchadais, chrathadh peacaich a mach aside, agus bhruthadh ceann na Pàpanachd. O ’n bhliadhna 1623 gu 1641 bha gluasad mòr an Ulster an Eirinn. B’ e so freumh na h-Eaglais Phresbuterach Eirionnach. ’S iad ministeirean a chaidh a ruagadh á Albinn, Blàr, Macdhuinléibhe, agus Uelsh, a ghabh fasgadh car tacuin an Ulster, tre ’n do thòisich, agus do fhreumhaich an obair mhaith so, a ghiùlain mòr-thoradh ’s a’ chearna so do Eirinn gus an la ’n diugh. ’S a’ bhliadhna 1625, bha beòthachadh domhain, drùithteach an sgir fharsuinn ghlinn Stiùbhartoin, fo theagasg an Urr Daibhidh Dicson. Bha araon earrach agus fogharadh mòr fo mhinistreileachd an duine bheannaichte so. Bhitheadh air uairibh an déigh aon searmoin, ceud anam cruinn aig a thigh gu co-labhairt ris. ’S a’ bhliadhua 1630 bha dùsgadh gràsmhor eile air Di-luain nan òrduighean an eaglais Shots an Siorrachd Lanarc. B’ e ’n t-inneal [TD 134] sònruichte tre ’n d’ oibrich an Spiorad Naomh aig an àm so an t-Urr. Iain Macdhuinléibhe. Rinn as-creideamh agus an-earbsa laìdir greim air inntinn Iain chaoimh agus e ’na aonar a mach ’s na h-achaidhean ’s a’ mhaidainn. “Am bheil mise,” arsa esan, “creutair neo-airidh agus lapach, a’ dol a ghabhail orm féin searmonachadh an làthair mhinistirean agus aithrichean soilleir ann an ceumaibh na diadhachd, agus féin-fhiosrachail am beatha nan gràs.” Ged bha e air a chur air leth gu searmonachadh air an là so, bha, e dìreach dol a theicheadh air falbh, an uair a rinn an fhìrinn so greim air ’anam, “An robh mise am fhàsach do Israel? am fhearann dorchadais?” Stad e, thosd e, agus thill e gu dol an ceann na seirbheis. Ghabh e mar bhonn-teagaisg, Esec. xxxvi. 25—“An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bithidh sibh glan: o’ r n-uile shalchar, agus o’ r n-uile iodhalaibh glanaidh mi sibh.” Air do’ n Spiorad Naomh a bhi làthair bha cuig ceud anam air am bioradh ’nan cridhe, agus air an iompachadh leis an t-searmoin so. Aig coinneamh Ard-chléir na h-eaglais an Glaschu, ’s a’ bhliadhna 1638, thòisich dùsgadh a sgaoil feadh na h-Alba gu leìr. Mu ’n bheòthachadh chomharraichte a ghabh àite an America Ma Thuath an 1734 fo éisdeachd Phresident Eduards agus Dhaibhidh Brairnerd, cha’ n’ eil ùine againn labhairt. An 1742 thàinig amanna fionnuaireachd o làthair an Tighearna air iomadh sgìreachd an Albainn; gu àraid an sgìr Chambuslang faisg air Glaschu, fo shearmonachadh Mhr Mac Culloch. An déigh dha teagasg fad bliadhna air nadur agus air do-sheachainteachd feumalachd na nuadh-bhreith; á so ghluais deich is ceither fichead ceann teaghlaich gu coinneamhan ùrnuigh a chumail gach seachdainn, gus fadheòidh an robh air aon là leth-cheud pearsa fo chùram spioradail, an éigin anma, a’ feitheamh air a’ mhinisteir. Aig an àm so bha leithid do acras is do thart na còrach air creutairibh gus am b’ éigin do Mhr Mac Culloch earail làitheil a thoirt doibh; oir mu ’n d’ thàinig Mr Uitefield cliùiteach an rathad, bha tri cheud anam air an dùsgadh ’s an àite so. Shearmonaich an duine urramach so Whitefield air la a’ chomunnachaidh. Bha ceithir thar fhichead do mhinistirean a làthair. Chomunnaich mu ’n cuairt air tri mìle; agus bha faisg air dà fhichead mile sluaigh ag éisdeachd. Chuireadh ris an eaglais ceithir cheud. Air a’ cheart bhliadhna so bha gluasadan iongantach an Cillsith, am Baldernoc, an Campsie, an Calder, and Circintilloch, an Cumbernauld, agus mar sin sios. ’S a’ bhliadhna 1794 bha mìltean air an atharrachadh o dhorchadas gu solus ann an Uales an Sasunn. Bha mar an ceudna ’s a’ bhliadhna 1812 àireamh mhòr air an toirt gu eòlas na firinn ’s an Eilean Arranach fo shearmonachadh comasach an diadhair mhòir urramaich sin, Mr Mac Bride. Aig a’ cheart àm so bha dùsgadh mòr ’s an Eilean Sgiathanach fo Dhomhnull Munro a bha ’n a inneal cumhachdach ann an làimh an Spioraid, agus fo ’n Urr. Ruairidh Mac Leòid a bha ’na sholus-iùil ’s an Eilean ré iomadh bliadhna. An sgìr Uig an Eilean Leòdhais ’s a’ bhliadhna 1824 bheòthaicheadh mòran a bha marbh ann an euceartaibh agus ann am peacannaibh, fo mhinistreileachd shoisgeulaich an athar dhiadhaidh nach maireann an t-Urr Mr Mac Leòid a chaochail o cheann beagain ùine an Rògart. Thòisich an dùsgadh so air e féin a dheanamh aithnichte an [TD 135] toiseach, ann an àireamh an luchd-comunnachaidh a dhol ni bu lugha. Thionail aig an àm so gus na h-òrduighibh faisge air deich mìle pearsa às gach ceàrnaidh do ’n Eilean, a dh’ éisdeachd an Fhocail, agus a dh’ fhaicinn frithealadh nam Bòrd dhe ’n nach compàrtaicheadh iad. Chaidh mòran a dhùsgadh á bàs spioradail. Dhòirteadh spiorad ùrnuigh agus athchuinge o ’n àirde air an Eilean, nach do dhealaich ris an t-sluagh gus an là ’n diugh; agus a tha giùlan fathast torraidhean an aithreachais agus na fìor dhiadhachd. Thogainn tuilleach ’s a’ chòir do àite ’s a’ Bhrataich, na ’n labhairinn air a’ ghluasad dhrùithteach is thomadach a bha ann an Eileinibh agus air Tir-mòr na Gàidhealtachd o cheann ceithir na cuig deug do bhliadhnaibh. Is leòir a ràdh gu ’n d’ fhág e thall agus a bhos iomadh fianuis dhìleas ’na dhéigh. IV. Dùsyaidhsan an la’ ’n diugh. Cha ghabh mi orm féin a ràdh maille ris an Oilfhear an t-Olla U. G. Blaikie, an Dun-éidin, gu ’n d’ thug gluasad na leth-bhliadhna so chaidh, bàrr ann am farsuinneachd, ann an cumhachd, agus ann am buaidh, air gach dùsgadh air am bheil cùnntas againn ann an eachdraidh na h-Alba. Theagamh gu ’m bheil so fior; ach b’ fhèarr leam fhaicinn na chluinntum; oir ma chaidh pòr fallan, neo-thruaillidh a shìol-chur an anmaibh mhòrain, cha ’n fhàs e àbuich annta uile a dh’ aona bheum. Bithidh an toiseach am fochann; a rìs an dias, agus fadheòidh an làn arbhair ’s an déis, Tha ceither seòrsachan fochainn ann, ach cha tig gu abuicheachd ach aon diubh. 1. Fochann taobh an rathaid. Sgrìobainidh agus ithidh an eunlaith air falbh e. 2. Fochann an ionaid chreagaich. Gun treabhadh, gun talamh. Cha ’n ’eil freumh aige ann féin. Fanaidh e ré tamuill; ach dòithidh a’ ghrian e, agus tur sheargaidh e. 3. Fochann an talaimh dhroighinnich. Muchar is tachdar gu bàs e. 4. Fochann an fhearainn mhaith. ’S esan a mhàin a thig gu h-inbhe—a ghiùlaineas toradh. Cha tig an truir eile gu h-inbhe, na gu toradh. Tha e ’na aobhar eagail gu ’m bheil am fochann ròideach, am fochann creagach, agus am fochann droighinneach air an gabhail ’s a’ ghluasad so le daoinibh gearr-sheallach, neo-sgrùdachail, agus air am meas comhla ri fochann ùrail, fallan, seasmhach an fhearainn mhaith. Gach sìolain nach do chuir an Spiorad Naomh, cha tig gu bràth chum foirfeachd; oir cnàmhaidh e air aon dòigh no dòigh eile. Air an toradh aithnichear tre ùine, gach fear is té, aig am bheil freumh a’ ghnothuich annta. Far am bheil fireanachadh mar ghníomh Dhé o ’n leth am muigh, bithidh naomhachadh, obair an Spioraid ’s an leth a stigh. Nochdaidh an obair ghlòrmhor so i féin, araon ann an cridhe, agus ann an slighe gach neach a dhùisg Dia. Sgrìobh Dr Baikie litir mhòr fhada, ’s an àireamh mu dheireadh do ’n Evangelical Review, a’ toirt cliù air leth air a’ ghluasad a bha fo Mhoody agus fo Shankey, fad na sé miosan so chaidh. Cha ’n aithne domh gur son, no gu de ’m bonn air am bheil an t-olla fòghluimte a’ cur an dùsgaidh so air thoiseach air gach dùsgadh a bha riamh am measg nan Gàidheal ’s a’ Gàidhealtachd. Oir tha e ’g ràdh mar so,—“Tha e cosmhuil gu ’n robh cuid do na dùsgaidhean a bha ’s a’ [TD 136] Ghàidhealtachd, aon chuid aig toiseach, no ré cùrsa na linne so, anabharrach iongantach, araon am meud agus an doimhne; ach air do na dûsgaidhean sin a bhi ann an àitibh cho fada mach ás an rathad, agus am measg sluaigh cho neònach ris na Gàidheil, cha robh mòran buaidh aca air muinntir eile.” Am bheil so fìor gu h-eachdraidheil? Nach iomadh ministeir, seanair, agus maighstir-sgoil,—toraidhean nan gluasadan spioradail a bha ’s a’ Gaidhealtachd a tha an dràst a’ searmonachadh, a’ riaghladh, agus a’ teagasg; cha ’n e mhàin am measg nan Gàidheal aig an tigh, ach mar an ceudna, am measg nan Gall, o ’n tigh? An e nach ’eil buaidh mhaith aig na h-iompachain Ghàidhleach air na neo-iompachain Ghallda, am measg am bheil iad a chòmhnuidh? Theagamh gu ’n robh na dùsgaidhean ’s a’ Ghàidhealtachd anabharrach iongantach, an àitibh iomallach, agus an sluagh neònach, a thaobh ’s gu ’n robh mo cho-luchd-dùtcha gràdhach, gun aona chuid LAOIDHEAN, no ORGAIN aca!!! Cha chomharra maith air bith air an ùr dhùsgadh Ghallda so, nach ’eil e cosmhuil ri beòthaicheadhain soisgeulach, agus ri “obair làimhe an Tighearna ’s na làithibh o chian” anns a’ Ghaidhealtachd. Tha iomadh fìrean aosmohr liath; ach sultmhor le deadh bhlàth na thoradh air obair an Spioraid Naoimh am measg nan Gàidheal bhochd; ach tha dùsgadh nan soisgeulach Americanach, fathast ri a thoradh a shealltuinn. Cha chòir na h-eòin a chùnntas gus an tig iad ás na h-uibhibh. Tha air a ràdh mar an ceudna, gur h-e th’ anns an obair a chaidh a dheanamh tre Mhoody agus tre Shankey, “obair àbhuisteach, ach cumhachd neo-àbhuisteach.” A nis ma chaidh eaglais Chriosd ath-bheòthachadh, ’s e ’n Spiorad Naomh a mhàin, ùghdar na h-oibre, agus an Ti a thug là do chumhachd na diadhachd air an anam. Buinidh an obair agus an cumhachd DHASAN, a ta toirt aseirigh bheò air na mairbh, agus a ta ag oibreachadh ’s an dòigh ábhuistich. Tha e air a chur an céill duinn a rìs, ged bha araon lòchrain is ola aig na ministiribh Albanach, nach b’ urrainn doibh an lasadh, gus an d’ thàinig na h-eilthirich ealanta thar a’ CHUAIN SIAIR a chur teine ris a’ bhuaic! Bha iad cho aineolach, gun sibht, gun seòltachd, gus nach robh fios aca, co-dhiù a ghabhadh an t-siobhag teine no nach gabhadh. Ach an uair a bu tinne an gad, is ann a b’ fhaisge e air bristeadh, thàinig Moody agus Sankey luchd-lasaidh nan lòchran agus theagisg iad dhuinn an dòigh ’s an lasadhamaid a’ choinneal!! Theagaisg Moody agus Sankey dà leasan eile, do na ministiribh againne,—’s e sin an dòigh ’s an còir ùrnuigh a dheanamh, agus an rathad air an gabh an Soisgeul seinn. Nach sinne a bha dùr, dall, doilleir, gus an d’ thug na daoine fosgailte, fradharach soilleir so cuairt ’nar measg! Och mo thruaighe sinne! shaoil sin gu ’n robh òighean glice ’nar measg gus a so—dream d’ am b’ aithne ùrnuigh—muinntir a shaoil gu ’n robh iad a’ seinn an t-soisgeil ’s na Sailm. Fhuair clann nan daoine iomadh innleachd a mach,—aon diubh cridheachan maìde agus laoidhean néo-thimchioll-gheairrte a bhi ’g an tairgsinn do ’n Dia Naomh, an àite cridhe briste agus brùite, le laoigh nam bilean, nithe a ’s iad ìobairtean spioradail ris nach cuir an Tighearna cùl. “Mar naoidheana air an ùr-bhreith, iarraibh bainne fìor-ghlan an Fhocail, chum agus gu ’m fàs sibh leis.” So lòn a’ [TD 137] chridhe a bhrist Dia. “Naomhaich iad trìd na Fìrinn, ’s e t-Fhocal-sa an fhirinn.” So dòigh Spiorad na fìrinn. Bithibh air bhur faicill o dhòighibh dhaoine. Tha na h-easbhuidhean a leanas air creud fhasanta an là ’n diugh. Cha’n ’eil guth air; 1, ana-comasan a’ pheacaich; 2, tarruing bheò an Athar; 3, sònruichteachd bàs Chriosd; 4, dearbhadh peacaidh; agus obair an Spioraid ann a bhi a’ co-chur na Saorsa a Choisinn Criosd ris an anam. “’S ann le gràs a ta sibh air bhur tèarnadh tre chreideamh; agus sin cha ’n ann uaibh fèin; oir is e tìodhlac Dhé e.” “Tha againne saorsa tre fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a réir saibhreis a ghràis.” ’S coma dhuinn ciod iad na gluasadan a thàinig oirnn mur d’ ràinig tèarnadh tre chreideamh oirnn, agus saorsa trìd na fola. Cha’n ’eil sinn idir an aghaidh dhleasdannas; oir tha ìnnleachd na slàinte air a’ dealbh cho eugsamhuil glic, agus gu’n saoil neach gu’m bheil gach ni aige féin r’ a dheanamh, an uair a chi e air an laìmh eile gu’n d’ rinn Criosd na h-uile nithe air a shon. Gabhaibh ri taobh nan dleasannas, cho maith agus ri taobh nan ana-comasan. Bha mi o cheann leth-bhliadhna aig iomadh coinneamh, ach cha chluinninn an còmhnuidh ach aon taobh do’n chéisd, creid, creid, creid. 1. Dh’ éisd mi fear. B’ e brìgh a sgeòil,—creid. Thuirt mi rium féin,—“S o pìobaire an aona phuirt.” 2. Chuala mi fear eile. ’S i ’n aon teud air an robh e a ghnath a’ bualadh,—creid. Cha robh ach aon sreang ann bogha an fhir so cuideachd. 3. Chaidh mi gus an treas fear. Dh’ éisd mi ris le ro-aire. Cha robh do cheòl cànrain cadail aige-san, mar an ceudna, ach,—creid. “Is usa a ràdh, na dheanamh,” arsa mise. Thuirt e ri mòran, “an robh iad a’ creidsinn” (cha’n fhios domh gu dé) thuirt iad-san, “gu’n robh.” “Téaruinte gu leòir.” ars’ esan. Bha so uile ’na dhiomhaireachd dhomh-sa. 4. Ràining mi an ceathramh fear, an dùil gu’m faighinn riarachadh uaithe-san. Cha robh aig an fhear so ach an aon dranndan, a’ donnalaich aig àirde a chlaiginn. Cha leigeadh esan ás mi, gus an creidinn. Chuireadh e mi ann an oiseann, agus bheireadh e orm creidsinn, ma’ n fàgainn làrach nam bonn. Ach mo thruaighe; cha chuireadh e dealachadh eadar creideamh cinn agus creideamh cridhe; eadar gnìomh reusonta duine ’nà neart féin, agus obair an Spioraid Naoimh anns ’a chridhe; eadar creideamh eacdraidh agus an gràs teàrnaidh sin ann an Iosa Criosd, tre’m bheil peacach a’ gabhail RIS-SAN, agus a socrachadh AIR-SAN ’na aonar air son slàinte, mar a tha e air a thairgse gu saor anns an t-soisgeul. Tha e air a chur ás leith nan Gàidheal gu’m bheil iad clì ann a bhi a’ deanamh na h-uibhir do “Obair an lagh”—cha ’n ’eil so idir fior: ’s fèarr leam-sa, féin-fhiosrachadh a’ Ghàidheil, na beachd a’ Ghoill air a’ chùis so. Oir a deir Criosd; “An uair a thig Spiorad na Fìrinn, bheir e dearbh-shoilleireachd do’n anam mu pheacadh, mu fhìreantachd. agus mu bhreitheanas.” Co-shinte ris a so, tha eachdraidh anma pobuill an Tighearna. Cluinn Pòl; “Ach air do’n pheacadh fàith a ghlacadh tre ’n aìthne, dh’ oibrich e annam gach uile ghné an-tograidh: oir as eugmhais an lagha bha ’m peacadh marbh. Oir bha mise beò as eugm- [TD 138] hais an lagha uair-eigin: ach air teachd do ’n àithne, dh’ ath-bheòthaich am peacadh, agus fhuar mise bás.” So dòigh Dhia, agus ri modh-sàbhalaidh Dhia, bithidh an t-anam a dhùisgeas, agus a dh’ iompaicheas a Spiorad agus ’Fhocal air a dhruideadh a steach, luath na mall, mar a chi a ghliocas eugsamhuil-san iomchaidh. Na tilg clach air a’ Ghàidheal gus an dearbh thu, an toiseach o ’n fhirinn, gu ’m bheil e clì air a’ phuinc so. Bitheadh stàtuin an Tighearna ’nan ceòl duibh an tigh ar cuairt; na cuiribh riutha, ni mò a bheir sibh uatha; oir leòtha trìd faicill fo stiùradh an Spioraid gu tobar fala Chriosd, glanar bhur cridhe agus bhur slighe. Is coma leam an diadhadh nach bi riaraichte leis na dh’ fhoillsich agus leis na dh’ ullaich Dia ’na Fhocal. Tha sinn an dràst an cunnart, leum thar nan crìochan so, mar a rinn eaglais na Ròimh. Cha ’n eil diadhachd na h-eaglais so riaraichte le Focal Dhé. ’S fèarr leatha gu mòr a bhi a’ labhairt air an Naomh Cupertin crochta eadar néamh agus talamh, air neo, air an Naomh Frangan a’ searmonachadh do na h-iasgaibh, na air crann-ceusaidh Chriosd, agns air searmonachadh Phoil. Gluaisibh cha ’n ann a réir seallaidh, ach a réir creideimh, agus tàirngibh uisge le h-aoibhneas á TOBRAICHIBH NA SLAINTE. IAIN. S. MACNEILL. GLASCHU. BABHD O ’N BHOGHA. A DHEASAICHE Ghaolaich,—Am bi sibh cho mhath agus an t-iomradh beag so a chur ann an cearb do ’n Bhrataich? Thug mi air a’ mhiosa so roid á Glaschu gus a’ Bhogha, a dh’ fhaicinn mo chàirdean. Cha mhòr nach d’ thug mi thairis ma ’n d’ fhuair mi dachaidh; oir bha brù is bòrd na Toitich cho loma làn ’s nach faighinn aona chuid suidheachan na sorchan, ach a mhàin leud nam bonn gu seasamh air. Is lìonmhor ros is rudha, caolas crom, is camas a ghlac agus a dh’ fhàg an Toiteach ’na déigh. Bha brod mhadainn againn a’ leigeadh beannachd le Cluaidh. Bha mo chluas an àird, agus mo shùil a’ gabhail iolla ri brogaich roiligeach, agus ri clann nighean ruideiseach; ach cha b’ fhada gus an robh rùchd an cridhe a’ co-fhreagairt do ràn na mara. ’S a’ chluiche bh’ ann ràinig mi cala. An uair a fhuair mise mo throidh air tìr cha robh fada, eadar carbad is cas, gus an do nochd mise mi féin air làr an tighe an cois a Bhogha. Bha aoibh is sùrd romhan. Bhrosanaich Trìonag an teine, sgeudaich Eilidh an crùisgean, ’s cha robh làmhan grinne Bharabal fada cur seirm air a’ bhiadh. Shuidh sinn cruinn aig bòrd na féile, fear an tighe aig ceann a’ bhuird agus a bhean aig a chasan. Bu ròramach an làmhan gu roinn, agus b’ fhialaidh an cridhe gu cuireadh. Aig an àm iomchuidh ghabhadh gu rianail stòlda na leabhraichean, agus chaidh sinn a chadal. B’ e màireach là na sàbaid, agus ged nach aobh dà mhinisteir a’ Bhogha aig an tigh rùnaich sinn dol do ’n eaglais. Air madainn chiùin na sàbaid air do ’n bhiadh agus do ’n aoradh a bhi seachad, chuir mi féin orm, agus chaidh mi leis an teaghlach do thigh an an Tighearna. Ged dh’ fhalbh am ministeir gun duine fhagail ’na àite, bha na h-éildearan a làthair gu dol air ceann na coinne. Shuidh ceathrar dhiubh le ’n cinn crom, gu dubhach, faisg air a’ chùbaid‘ air an dìon o ’n bheagan sluaigh a bha làthair le barran fiodha. [TD 139] 1. Thug a’ cheud fhear uair an uaireadair a’ fosgladh na coinne le salm agus le ùrnuigh. Bha so sàraichte do ’n fheòil. Ach dh’ éisd mi le drùidhteachd dhùrachdaich gus an d’ thàinig,— 2. An dara fear, an t-òraidiche air adhart. Dh’ iarr esan air na bha làthair do iompachain (ag ràdh aig an àm cheudna nach robh gnothuch aige ri càch,—na neo-iompachain) iad a dheanamh ùrnuigh thosdach fad mionaid a chuideachadh leis-san mu ’n tòisicheadh e. B’ e ’n cuspair sòluimte air an do labhair e “Caithir a’ Bhreitheanais,” fo na tri cinn so (1) Chaithir suidhichte ’s na neòil, (2) am meudachd, agus (3) a gilead!! C’ àite an robh cliù an Ti a shuidh oirre? 3. Cha do sheall mi dé ’n ùine thug an dara fear so a’ labhairt. Nach ann a’ bualadh an adhair a bha e ré na h-ùine? Ghairmeadh air an treas fear a dhol an ceann facal ùrnuigh, agus gu dearbh féin bu lìonmhor facal agus ath-iarrtus troimh deachaidh e. Dh’ iarradh air a’ cheathramh fear éirigh, ach dhiùlt e. Cho-dhunadh an t-seirbhis le LAOIDH!!! ’S mòr an t-atharrachadh so air modh-aoraidh Tighe Dhé. Dhùisg e na ceistean a leanas ann am anam;— 1. Am bheil e ceaduichte do mhinisteirean suidhichte, anman neo-bhàsmhor fhàgail an làmhan dhaoine mar so? 2. Cò thug ùghdarras dhoibh-san na h-atharrachaidhean so a dheanamh ’san dòigh aoraidh Phresbiterianach? 3. Am bheil Laoidhean, agus ùrnuighean tosdach sgriobturail ann an seirbheas fhollaiseach an Tighearna? Tha fios agam gu’n urrainn Deasaiche Calbhineach na Brataich na ceistean so fhuasgladh air stéidh na Fìrinn. Is mise Bhur Seirbhiseach Gràdhach A. N. BAS AN OLLA PADRUIG FAIRBAIRN. CHA ’n ’eil neach a chuir eòlas air an Olla Fairbairn gu pearsanta, na troimh na sgrìobhaidhean a rinn e, nach bi duilich gu ’n d’ thàinig a’ chrìoch air. Bha e ’na chorp shlàinte gus an do bhuail am bàs e aig a’ mhionaid ma dheireadh. Chaidh e chadal air oidhche Di-daoirn an seathamh là do Ogust gun acain gun ghearan. Chaidh Mrs Fairbairn a steach do ’n t-seòmar-chadail a los tàmh a ghabhail i fein, ach gu dé a bha ach a companach gràidh ’na shuain ann an cadal a’ bhàis. Is fhusa a bhreithneachadh na innseadh am buille goirt a thug so d’ a mhnaoi. Fhuair esan slighe réidh troimh ’n bhàs; cha ’n ’eil e marbh ach ’na chadal. Rugadh an t-olla fòghluimte, ionmhuin, Pàdruig Fairbairn an Ianuari, ’s a’ bhliadhna, 1805, ann an Siorrachd Bheric far an robh athair ’na thuathnach. Dh’ fhòghluim e dreuchd na ministreileachd an Oil-thigh Dhun-éidin, agus shuidhicheadh e air tùs ’na mhinisteir an Ronaldshai ann an Arcaibh. Dh’ atharraicheadh ás a sin e gu aon do eaglaisean Ghlaschu ann an 1837, agus a rìs gu Salton an Siorrachd Hadington. Bha e ’san àite so an uair a sgar Eaglais na h-Alba na dà bhuidhean ’s a’ bhlìadhna 1843, agus thilg e a chrannchur a steach leis an Eaglais Shaoir. [TD 140] ’San ionad so shaothraich e gu pailt, gus an do chaochail an t-Olla Maclagan a bha ’na Oilfhear an Oilthigh Abereadhain. Chuireadh Fairbairn an sin ’na àite-san an dreuch na h-oilfhearachd. ’San dreuchd so thug e leithid do riarachadh do na h-oileanaich agus do ’n Eaglais gu h-iomlan, gus an uair a dh’ fhosgladh Oil-thigh Ghlashu an 1856 an do rinneadh e ’na Cheann-suidhe an Oil-thighe. An dreuchd so lìon e le mòr chliù gus an àm so. An 1864 b’ e ’n t-Olla Fairbairn Ceann-suidhe an Ard-sheanaidh. ’Sann mar fhear.sgrìobhaidh, mìneachaidh, agus deasachaidh leabhraichean diadhachd a tha agus a bhitheas an t-Olla Fairbairn ainmeil. Cha ’u ’eil a bheag beò a leugh oibrichean nan Gearmailteach cho mion, farsuinn ris; cha mhòr dhaoine aig an robh eòlas cho farsuinn ris anns gach raon do sgoilearachd. Dh’ andeoin so uile bha e iriosal, faisge ’na ghiùlan. Bha e ’na Oilfhear ro-thèaruinte, fìor fhallan, agus na shearmonaiche soilleir soisgeulach. Bha e ’na dhuine ro-eireachdail dìreach ’na phearsa; maiseach, fallan ’na shnuadh, cha ’n aithne dhomh cò lìonas ’àite. AITHNE CHRIOSD. “AGUS thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t-saoghail uile, agus searmonachaibh an soisgeul do gach dùil.” Marc, xvi. 15. Bha mi o cheann ghoirid a’ leughadh cùnntais air craobh-sgaoladh, agus air soirbheachadh an t-soisgeil an tìribh céin. Agus gu dearbh féin tha e ’na aobhar taingealais duinn an t-adhartas à rinn sinn o cheann beagain ùine ann a bhi a’ cuimhneachadh air àithne Chriosd, agus ann a bhi a’ toirt géill di. Tha ’n ceum toisich aig Albainn ’s an obair mhaith so, mar an iomadh deadh aobhar eile. Ged tha so uile fìor, cha ’n ’eil àite uaill againn fathast mar eaglais Chrìosduidh. Oir cha ’n ’eil mi ag ràdh nach bi mòr iongantas air an leughadair an uair a chluinneas e, gu ’n do dhiùlt sinn o cheann ochd deug agus tri fichead bliadhna mar Ard-sheanadh cluas a thoirt do ’n àithne chudthromaich so a dh’ fhàg Ceann glòrmhor na h-eaglais againn mar bhuill fa leth, luchd-dreuchd agus luchd-leanmhain. ’S a’ bhliadhna 1796, thàinig tri iarrtuis air beulaobh na h-Ard-Chùirt ’na suidhe an Dun-éidin, bha dhà dhiubh o Sheanaidhean Fife agus Mhoraidh, agus an treas aon o dhuine d’ am b, ainm Uilleam Mac Bheathain; b’ e suim nan tri iarrtus so, gu ’n sealladh an t-Ard-Sheanadh ri cor nan tìrean céin a bha dh’ easbhuidh an t-soisgeil. Mar cheann air a’ bhuidhean a bha ’n aghaidh aona chuid sùil a thoirt air na h-iarrtuis so, no labhairt idir orra, dh’ éirich an t-Urr. Deòrsa Hamilton á Gladsmuir, agus labhair e air a’ mhodh so. “’S e,” deir esan, “gnìomh anabharrach eu-céillidh eòlas an t-soisgeil a chraobh-sgaoladh am measg nan cinneach, finneadal, borb; ’s e so cùrsa nàduir, a thilgeadh bun os cionn. Feumar daoine ath-leasachadh o ’n leth a muigh ma ’n cuirear an soisgeul a’ n ionnseudh. ’S còir fòghluim feallsanachd a chur thuca an toiseach. ’S ann tha neach ’s am bith a chuireadh an soisgeul gu tìr chéin a’ toilltinn peanais lagha.” Ris a’ ghluasad so aig Mr Hamilton, chuir Dr Carlyle, Inbheresc, [TD 141] aonta! Thilgeadh aobhar mòr nan cinneach air cùl. Dhiùlt Ard-Sheanadh 1796 éisdeachd a thoirt do àithne Chriosd. Agus mar chomharra air ar meas mar eaglais aig an àm so air feadhain do ghné agus do chreud Mhr Hamilton rinneadh e ’na Dhoctor Divinity goirid as a dhéigh so. Ged a ’s beag an ùine o so, ’s mòr a chliù a choisinn eaglais na h-Alba ann an craobh-sgaoladh an t-soisgeil. Cha ’n ’eil sinn ach an toiseach na h-obair ghlòrmhor so. Tha ’s an Asia, 400,000,000, Bùdach; 120,000,000, Bràhmach; 60,000,000, Mahomedach; tha ann an Africa, 100,000,000, sluaigh, agus is cianail an smuain i gu ’m bheil na ceithir buidheanan so ’nan luchd-iodhal aoraidh. An uair a chuireas sin ri sò Pàpanachas agus creudan grod eile na h-Eòrpa agus America, bu chòir do àithne Chriosd greim a dheanamh air ar cridhe, àite fhaotainn ’n ar n-ùrnuigh, agus cuideachadh fhaighinn o’r sporain. GUTH A MADRAS. “AGUS chunnacas sealladh le Pòl ’s an oidhche: Sheas duine àraidh o Mhacedonia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedonia, agus cuidich leinne.” Gnìomh. xvi. 9. Tháinig an guth so gu Pòl, a’ guidhe air, e thighinn a nall ás an Asia do ’n Roinn-eòrpa a shearmonachadh an t-soisgeil ann. Cha robh e eas-umhal do ’n ghairm nèamhaidh. Thàinig e nall. Agus a’ cheud searmoin a rinn e air fearann Eòrpach, thug an Tighearna gnùis di, agus dh’ fhosgail e cridhe Lidia. Is iomadh cridhe o ’n là sin a dh’ fhosgail an Tighearna ’s an Roinn-eòrpa. ’S iomadh comain fo ’n bheil luchd nan cridheachan fosgailte so do ’n Asia. Ri cuid do ’n mhuinntir so tha duine àraidh o Mhadras, an Asia, ag ràdh, Thigibh thairis gu Madras agus cuidichibh leinne. ’S e ainm an duine Ruthnum, agus is e an guth leis am bheil e a’ guidhe oirnn dol thairis gu Madras a chuideachadh leòtha, an sgeul aithghearr a leanas. An Earrach na bliadhna 1859, thug na missionaries an aire gu ’n robh toil aig duine òg d’ am b’ ainm Ruthnum a bhi air a ghabhail a steach do ’n Tigh Mission, an dùil gu ’m baisteadh iad e. Bha a mhuinntir ’na aghaidh an ceum so a thoirt. Air do ’n chúis a bhi mar so, agus air do ’n òganach Innseanach féin, a bhi fo cheithir bliadhna deug, a réir breith Sir Cristopher Raulinson cha b’ urrainn na missionaries a ghabhail a steach. Air da phàrantan so fhaicsinn, ghabh iad fàth, agus ghlac iad Ruthnum bochd, agus thug iad leò e gu taobh deas India ceudan mìle á Madras. Ach cha b’ fhada an déigh so, gus an do nochd Ruthnum e féin a rithist aig an Tigh Mhission bog fliuch le sàile, agus dh’ aslaich e orra gabhail ris. Air dhoibh dh’ fheòraich deth c’ arson a bha e cho fliuch, agus gu dé mar a fhuair teicheadh o a chàirdean iodhal-aorach, dh’ innis e doibh. An uair a thàr e ás agus a dhìochuimhnich e tigh athar agus a mhàthar, a’ teicheadh o bhaile na léir-sgrios, lean iad e. Ach an trà ruigeadh an luchd-tòrachd aona bhaile bhiodh Ruthnum am baile eile. Air dha Pondicherri a ruigheachd reic e a chluas fhàinneachan òir, chum an t-slighe a chosnadh dha gu Madras, a bha fathast ceud mile uaithe. Bha ’n ceud mìle so do mhuir eadar e agus ceann a thuruis. Thug e gach peighinn a bh’ aige do dhuine a bheireadh an t-aiseag dha. Rinn [TD 142] iad inneal-aisig do thri mìrean do fhiodh garbh air an ceangal r’ a chéile. Thug e leth-cheud uair an uaireadair, gun chadal, gun deòch, air an t-slaod-fhiodh so mu ’n do ràinig e Madras, ceud mìle mara uaithe. Cha ruig mi mi leas a ràdh gu ’n do ghabh na missionarics ris le subhachas, agus gu ’n do bhaist iad e le gàirdeachas. Tha Ruthnum an ainm dà cheud muìllion Innseanach iodhal-aodhrach, ag ràdh riut, Thig thairis gu Mudras agus cuidich leinne. AN FHIONAIN. 1. ’S e ’cheud iomradh a th’ againn air an fhionain, fìon-ghàradh Noah. ’S i aon do chraobhan-meas nàisneach Asia. Tha i ’fàs gu nàdurrach aig caladh a’ chuain Chaspiain. Bha agus tha Tìr a’ Gheallaidh ainmeil air son fìon-liosan agus dearcan-fìona. Bha eadhon aig toiseach eachdraidh fìonain gu làidir, lìonmhor, cinneasach am Palestin, gus an d’ thuirt Iacob mu Iudah a mhac; “a’ ceangal a shearraich ris an fhìonain agus loth ’asail ris an fhìonain thaghta: nigh e ’eudach am fìon, agus a thrusgan am fuil nam fìon-dhearc.” Ged nach mòr a’ s fhiach an diugh fìonain na h-Eiphit, bhi i o shean ro-chliùiteach air son a gàraidh-fhìona. Oir is e ’n ath-chùnntas a th’ againn air an fhìonain am bruadar an àrd-bhuidealair an uair a bha Ioseph ’na phrìosanach ’s an Eiphit. Tha rìs Dia a’ coimeas ’eaglais ri fìonain a thug e mach ás an Eiphit, agus a shuidhich e am Palestin. Ach an duigh cha mhòr thìrean ’s nach faighear an fhìonain a’ cinntinn aon chuid gu nàdurrach no gu h-innleachdach. Tha crios do fhìon-liosan a’ toiseachadh an iar aig fighdean Phortugail agus a’ crìochnachadh an ear aig eirthir India. Gheibhear a nis luchd-deasachaidh nam fìonainean le an gàraidh-fhìona an Africa, an America, agus an Australia. Chunnaic mi féin fìonaìn mhaiseach, thorach le an dearcan mora, cnapach. agus le am bagaidean lìonmhor troma a’ fas gu frasach tiugh an tighean-teas ann an Eileanan agus air Tìrmor na Gàidhealtachd. Ged nach faicear aig an àm so croinn-fhiona le ’m bagaidean tomadach a’ fas ann an gleann Escoil, na am measg dhaingìchean Engedi, na air aonaichean bòidheach Lebanoin; gidheadh tha fathast fìonain Hebroin an dùthaich nam fìonlios,—Tìr Chanaain,—a’ toirt bárr air gach fionan. 2. Gàradaireachd nam fìon-ghàradh. Am Palestin tha ’n fhìonain mar a’ s trice suidhichte air malaidhean barrabhallach nan uchdaichean grianach, am measg nam fuaran agus nan alltan sriùlach. Tha na seana gheugan a’ luidhe air an làr, agus na feadhain òga, thorach air an togail suas air na barrabhallan, agus air bàbhainnean deanta do sheana chraobhan. Nam bu réidhlean còmhnard làr an fhìon-liois thogtadh balla garbh do chlachan agus chrochtadh ris na cranna-fìona, air taobh na gréine deth; air an luidhe so dh’ abuicheadh na dearcan ’n am bagaidean tiugha. Bha croinn-fhìona ’na uairibh air an cur ann an cùirtibh nan tighean, a’ taiceachadh air callaidibh fiodha, agus an aimsir theath na bliadhna bha so ’na dhìdean o ’n teas. “Agus ghabh Iudah agus Israel còmhnuidh gu tèaruinte, gach fear fo a chrann-fìona, agus fo a chrann-fìge féin, o Dhan eadhon gu Beer-seba, ré uile làithean Sholaimh.”—1. Righ, iv. 25; Faic Micah, iv. 4; agus Eoin, i. 48. ’S an Eadailt tha luchd-saothrachaidh na fìonain ’g a togail suas, agus [TD 143] ’g a cuartagachadh timchioll air stuic nan seana chraobhan. ’S an Fhraing agus ’s a’ Ghearmailt tha na cranna-fìona laga air an cumail ’nan seasamh mar tha ’pheasair le slataibh caola. Ann an tighean teas an àite so tha na fìonain air an ceangal ris a’ bhalla, mar tha ’n t-eidheann ri taobh nan tighean. Tha ’n fhìonain cho lag, meat air an aon làimh, agus cho tarbhach, feumail air an làimh eile, gus an éigin do ’n ghàradair ghrùnndail ballacha-dìonaidh a thogail timchioll uirre, a chumail a freumhan agus a geugan, a blàth agus a meas o ’n spùinneadair, o ’n torc, agus o ’n t-sionnach. Cha ’n e mhàin sin, ach tha ’m fear-deasachaidh sgileil a’ barradh agus a’ glanadh meòir agus meanglain na fìonain gach bliadhna, chum gu ’n giùlain i tuilleadh toraidh. Tha na gengan torach air am barradh agus air an glanadh, chum gu ’n toir iad uapa toradh ni ’s pailte agus ni ’s fèarr; ach tha na meòir chaola neo-thorach a mhàin air am barradh, dh’ fheuch an giùlain iad toradh. Tha ’n gàradair a’ toiseachadh air na geugan neo-thorach a bharradh an toiseach Mharch, an uair a tha na cruthachaich a’ teannadh ri cruinneachadh. A’ gheug a chaidh a bharradh am March, ma ’s e ’s nach ’eil i gealltiunn toraidh a ghiùlan, tha i air a barradh an dara uair an April, agus ma ’s e is gu ’m bheil i fathast neo-ghealltanach, tha i air a barradh an treas uair am May; mur toir i nis toradh uaipe cha bharrar tuilleadh i, ach measar i mar ghéig gun toradh air crìonadh. So mar tha meòir nan geugan torach fa leth air an làimhseachadh. Feumar air uairibh meur a ghearradh bhàrr na géige toraich, chum gu ’n giùlain i toradh a ’s fèarr; ach feumar a’ gheug neo-thorach, i féin, agus a cuid mheur a ghearradh agus a thoirt buileach air falbh, agus o nach urrainnear feum ’s am bith a dheanamh di, tilgear ’san teine i mar chonnadh. Faic Esec. xv. 2, 5; Eoin, xv. 2, 6. Tha ’n fhìonain air a glanadh air an dòigh so;—gabhaidh an gàradair an sgian-sgathaidh agus ni e gearradh, no eaga, an stoc na fiònain, no ann an crann na géige, agus tre so sruithidh an droch stuth agus an snothach neo-fhallan a mach, agus air a’ mhodh so tha ’n crann agus a’ gheug a bhàsaicheadh araon air an gleidheadh beò. Feumaidh am fear-saoithreachaidh mòr sgil a bhi aige, air-neo, an àite an fhiònain a ghlanadh, ’s ann a mharbhas e i. So an ni ris an abrar fuileachadh na fiònain; obair a ta ’na samhladh soilleir air an dòigh ’s am bheil Dia a’ smachdachadh gach mac, agus gach nighean ris an gabh e. 3. Tional nam fìon-dhearcan. Tha na dearca-fìona làn abuich fìor-thòiseach an fhogharaidh. Tha iad aon cheud air an gleidheadh mar bhiadh, no air am bruthadh ’s an amar chum fìon a dheanamh dhiubh. ’S ann mar bhiadh a bu mhò bha clann Israeil a’ deanamh feum diubh. Tha e cosmhuil gu ’n robh bruthadairean-fìona, ionadan-bruthaidh nam fìon dhearc, agus amair-fhìona gle thrath am measg Eiphiteach agus Eabhruidheach. Air na seòrsaibh amair-bruthaidh a bh’ ann o shean, no air dabhaichibh-fiona an ama so, cha ’n ’eil mi dol a’ labhairt. B’ fhèarr leam féin gu mòr na dearcan slàn, fallan, na an sùgh a bhruthar asda, agus a tha air a mheasgachadh le stuthan buaireasach eile. 4. Dioghlum Spioradail o ’n fhionain.—Tha ’n fhionain a’ samhlachadh a mach a’ chreidmhich agus eaglais Chriosd. “Thug thu fìonain as an Eiphit; thilg thu mach na cinnich, agus shuidhich thu i,” Salm. Lxxx. 8. [TD 144] “Bha aig fear mo ghràidh-sa fìon-lios air cnoc àrd tarbhach,” Isa. v, 1. Cha mhòr gu ’m bheil taobh-duilleig do bhàrdachd an Sgriobtuir ’s nach faighear an fhìonain fo ’n chliù so. 2. Gné agus feartan na fìonain. Ged tha ’n crann-fìona, le a gheugan lìonmhor, caol agus anmhann, tha neart làidir aige ’s an taobh a stigh deth, gu feum maith a dheanamh do reamhrachd agus do thaisealachd na talmhainn. Le a mheòir agus le a mheanglain so-lùbaidh greimichidh e ris an leamhan no ris a’ chreig. Le a dhuilleach mhaoth tha mòr-chìocras air a dh’ òl a steach blàthas na gréine agus driùchd nam fras. Tha ’bhagaidean dhearc ’nan òirdhearcas air aghaidh nàduir agus ’nan ceòl do chridhe an fhogharaidh. Mar so tha ’n t-anam gràsmhor, ùrail, tais ann an sògh na h-iriosalachd dhiadhaidh; a’ miannachadh gràs ùrachaidh mar fhrasaibh dh’ uisgicheas am fonn, agus an geall air solus grian na fìreantachd ’s an ionad fholuichte; tha e mar an ceudna le meòir neo-fhaicsinneach a’ chreidimh a’ taiceachadh air CREAG NAN AL, agus a’ greimeachadh ri CRAOBH NA BEATHA. 5. Cha mhòr gu’m bheil craobh ann cho tartmhor ris an fhìonain. Tha i beò mar gu’m b’ ann air na dh’ òlas i do ’n driùchd, agus air na dheòthlas i ás an fhuaran, ghlan, fhallan. Tha mar so tart air anam an fhìrean an geall air amhainn na beatha ta aig Dia. 6. IS MISE AN FHIONAIN FHIOR, deir Criosd. Is esan an fhìonain agus is iad a shluagh na geugan. Is esan freumh agus crann-fìona beatha nan gràs, na glòir, agus gach maith aimsireil do gàch meur, meanglan, agus geug a shuidhich an Treabhaiche Neamhaidh,—an t-Athair. ’S e ’n gàradh-fìona riòghachd nan gràs a bhos, agus rìoghachd na glòire shuas. Is i an fhìonain fhìor, Criosd às am bheil gach geug shuas agus a bhos a’ fàs, agus air am bheil iad uile an crochadh air son beatha, neart, toradh, agus seasmhachd. ’Tha ’n aon ghné beatha aca uile, aig na geugan beaga, laga, cho maith agus aig na geugan mora, làidir. So fìrinn cho comhfhurtachail a’ s a bhuineas do shluagh anshocrach, agus diblidh an Tighearna. Tha tri seòrsachan gheug ann,—dithis dhiubh do ’n aon ghné; ach an treas seòrsa tur dhealaichte! ’S iad a’ cheud dà sheorsa na fìor gheugan aig am bheil aonadh, beò, creidmheach, tri-fillte, na fireantachd, na h-uchdmhacachd, agus na naomhachd ris an fhìonain fhìor. Tha cuid diubh so, glan, naomhaichte, glòraichte shuas. Tha chuid eile diubh fathast a bhos, ’g am barradh agus ’g an glanadh, no ri bhi air am barradh agus air an glanadh. Iad so uile làmhsaichidh an Deadh Ghàradair, an Spiorad Naomh, gu h-éifeachdach le claidheamh geur dà-fhaobhair an Fhocail, agus le sgian-sgathaidh nam freasdal. ’S e ’n treas seòrsa na geugan aig nach ’eil, ach aonadh o ’n leth a muigh ris an fhìonain fhìor,—muinntir aig nach ’eil, ach aonadh tre na meadhona follaiseach ris an eaglais fhaicsinnich, agus aig nach ’eil aonadh spioradail anma ri Criosd, Ceann na h-eaglais neo-fhaicsinnich; dream aig am bheil coslas na diadhachd, ach a ta ’g àicheadh a cumhachd. Iad so uile bheir e air falbh mar chrìonach, agus tilgear ’s an teine iad!! Tha ’n fhìonain fhìor agus a fìor gheugan ’nan raon cho farsuinn—’nan smuain cho taitneach, glòrmhor, gus an teirgeadh araon cainnt agus ùine orm; uime sin feumar stad. E. M. L. [TD 145] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 10.] October, 1874. [LEABH. II. IASGACH. [Dealbh] AIG AN AMHAINN BOSPORUS. ’S IOMADH ni a bhios na Goill a’ cur ás leth nan Gàidheal; slaodaireachd salachar, is lunndaireachd; agus gu h-àraidh cho beag agus a tha do-dhíchioll síor-leanailteach mu ’n Ghàidheal. Ach mu na nithe so cha labh air mi an dràsd; ’s aithne dhomh na Gàidheil ni ’s feàrr na gu ’n sluig mi a’ h-uile tuaileis a chuireas aineolaich ás an leth. Cha ’n e sin amhàin; chleachd mi mo pheann uair no dhà a ’n dìon; ach cha ’n fheud mi aìr a shon sin gun uireasbhuidhean mo chomhaltan Gàidhealach a thoirt fainear. Tha iasgairean ’nan daoine treuna neo-sgàthach anns gach ceàrnaidh anns am faighear iad; o chnuic lachdunn na Bosporuis gu cnuic chiara Leòdhais. Gidheadh anns a’ Phàrlamaid ’s an Earrach so chaidh thòisich aon do na buill air cur ás leth nan Iasgairean Eirionnach agus nam feadhainn Ghàidhleach gu ’n robh iad slaodach, nach robh iad cho dìchiollach ris an fheadhainn Ghallda. Ach cha b’ fhada a bha an t-Olla MacLachlainn an Dùnéideann aig an Ard-Sheanadh a’ tilgeadh sud bun os ceann. Tha fhios agam gu ’m bheil an t-iasgair Gàidhleach cho fearail, cho buadhmhor, agus cho deanachdach ri Bucaich, Searaich, no Goill ’s am bith; agus ’s ann a chionn ’s gu ’m bheil mi creidsinn so a chuir gu ’m bheil mi air son gu ’n ionnsachadh iad leasan mu iasgach ann an seadh a ’s àirde. Tha tomhas mòr do dhiadhachd bheò agus eudmhor feadh na Gàidhealtachd; iad lionmhor aig am bheil eòlas farsuinn agus domhain air teagasg sgriobturail; ach shaoileadh neach nach ’eil iad idir cho beò no cho eudmhor mu dheadh oibrean agus a tha na Goill; seadh, nach fhaighear iad gu pearsont ’g an cleachdadh féin ann an cur air aghaidh aobhar Chrìosd am measg an compairean. Ma ta, ’s e so a ta toirt orm labhairt an dràsd. Tha e ann an tomhas soilleir nach ’eil na Gáidheil [TD 146] cho dìchiollach ann a bhi toirt muinntir eile a dh’ ionnsuidh staid na nuadh-bhreth air an d’ fhuair iad féin eòlas agus a tha na Goill. A nis bu mhaith leam gu ’m faicinn na Gáidheil ni b’ eudmhoire ann a bhi ’g iasgach air son Chriosd,——ann a bhi a’ treòrachadh an companach a dh’ ionnsuidh a’ Chuspair Ghlòrmhoir sin a ’s e beatha nan grás dhoibh. A thuilleadh air doimhneachd am breithneachaidh, agus farsuinneachd an eòlais sgriobturail bu mhaith leam gu ’m faicinn na Gáidheil a’ cur riutha sud obair eudmhor chleachdmhor leanailteach ann an aobhar Chriosd;—bu mhaith leam gu ’n tugadh iad leo air mhodh sònruichte brìgh nam briathran ud, “Lean mise agus ni mi iasgairean air daoine dhiot.” AN LILI. “Fòghlumaibh cionnus a ta na lilidhean a’ fàs ’s a’ mhachair; cha saothraich iad, agas cha snìomh iad. Gidheadh a ta mise ag ràdh ribh, Nach robh Solamh féin ’na uile ghlòir air eudachadh mar aon diubh so.” (Mata. vi. 28.) Tha sinn a’ fòghlum o Lusadairean gu’m bheil iomadh seòrsa lili ann. Am measg nan seòrsachan so, tha triuir a tha do ’n aon ghné agus chruth, ach a mhàin dealaichte ’nan dath; mar a tha, an lili gheal, an lili bhuidhe, agus an lili scàrlaid, no mar a their cuid rithe so am martagon. A nis a ’s ceist dhuilich, cò d’ an triuir so air am bheil an Sgriobtur a’ deanamh iomraidh. Rinn an Lusadair mòr agus ainmeil sin, Sir W. J. Kooker, athair-ceile an Urr. an t-Olla W. Mac Gillebhrà, a mach gur h-i lili a’ Bhìobuill an lili dhearg—am martagon scàrlaid. Is ceist i nach deachaidh fathast a freagairt, An i an lili gheal aon do lusan nàisneach Phalestin. Ach ged nach ’eil lili gheal nan gàraidhean a’ fàs gu nàdurrach “’s a’ mhachair” ann an Dùthaich a’ Gheallaidh, tha aon ni a tha fìor mu’ deibhinn, gu’m bheil an lurg aice cho làidir gus an dean e feum air son connaidh. Tha i mar so a’ freagairt do ’n chliù so, gu’m feudar a “tilgeadh ’s an àmhuinn.” Ged tha an lili bhuidhe fìor mhaiseach agus rìoghail, cha’n ’eil i chum feuma ’s am bith mar chonnadh. An lili scàrlaid.—Tha i so gus an là an diugh “a’ fas ’s a’ mhachair” am Palestin. Tha an seòrsa so fathast ro lìonmhor timchioll sliabh Thaboir, agus mu bheanntan Nasareit. Buinidh gach cliù dhi, a bhuineas do’n lili air am bheil Criosd agus Solamh a’ deanamh iomraidh. Tha an lurg aice feumail air son connaidh; tha i a’ fàs ’s a’ mhachair; mar a s’ trice anns na glinn; ro thric am measg droighnich; a dath scàrlaid,—“tha bilean Fir-mo-ghraidh-sa mar lilidhibh,—’s e sin dearg. Cha ruig mi leas dol a labhairt air lilidhean maiseach nan lios, nan coire, agus nan loch againn féin. Tha mi an dùil gu’m bheil sibh uile eòlach orra so. Fòghlum o na lilidhean. “Thugaibh fainear,” deir Criosd, “na lilidhean.” 1. Gliocas Dhé. Tha an lili a’ fàs ’na h-uile mhaise ’s a’ mhachair fhosgailte, agus cha’n ann an tighean-gloine grianach. Tha i eadhon ’s a’ ghleann ìseal, rùisgte, a’ toirt bàrr air Rìgh Solamh féin “’na uile ghlòir.” Gheibhear mar so na crìosduidhean a ’s maisiche ann an gleann [TD 147] na h-iriosalachd dhiadhaidh, fada o ghreadhnachas nan aindiadhaidh, agus o oirdhearcas nan caistealan rìomhach. 2. Freasdal an Tighearna. Tha an lili a’ fàs am measg droighnich. Agus ged dh’fheudas bioran geura an droighin a bhi a’ dol an sàs innte; gidheadh, a réir a’ h-uile coslais, tha ise eadhon ’s an t-suidheachadh so barraichte—seadh uile-òirdhearc. Tha mar so am fìor chrìosduidh, cha’n ann, cosmhuil ri manaich agus ri cailleachan-dubha na Roimh, druidte steach le clach is aol o bhi a’ measgachadh le a cho-chreutairean ’s an t-saoghal so. Tha a chuid féin do dhraghan agus do chùraman na beatha so aige. Ach tha a ghne agus ’eugas a’ fianuiseachadh gu’m bheil e tur dhealaichte o dhroighneach crosta, coirbte an t-saoghail so. 4. Rabhadh o ’n lili. Tha aig an lili agus aig an droighionn an aona ghné talmhainn, uisge agus gréine. Tha an lili a’ toirt uaipe maise, gràdh agus ìocshlaint; ged nach toir an droighionn uaithe ach draineagan cruaidhe, tioram, agus drisean geura, fuath-thoillteanach. “Do’n aon dream tha sinn ’nar boltrach bàis chum bàis; agus do’n dream eile ’nar boltrach beatha chum beatha.” ’S e a tha a dhìth oirnne atharrachadh gné, Tuathanachas an TREABHAICHE NEAMHAIDH. E. M. L. AN COMUNN BREATUNNACH. I. “OIR riamh o chruthachadh an t-saoghail a ta a nithe-san nach feudar fhaicinn, eadhon a CHUMHACHD SIORRUIDH AGUS A DHIADHACHD air am faicinn gu soilleir, air dhoibh bhi so-thuigsinn o na nithibh a rinneadh; ionnus gu’m bheil iad gun leithsgeul aca.” Rom. i. 20. Gné agus crìoch a’ Chomuinn.—Tha e air a dheanamh suas do fheallsanaich agus do nàdurraich,—fir agus mnathan. ’S e an raon sgrùdaidh a tha aca, obair a’ chruthachaidh, dealaichte o thoil fhoillsichte a’ Chruitheir—Leabhar a’ chruthachaidh nàdurra, tur sgaraichte o Leabhar an Fhocail. Tha coinne mhòr aca gach bliadhna, ann an aon do bhailtean mòra Bhreatuinn no Eirinn. Tha iad a’ roghnachadh ceann-suidhe bliadhnail, a tha a’ fosgladh na coinne le òraid air cuspair àraid air am bheil e mion-eolach. Le so tha ghaoir roimh chath a’ toiseachadh. Tha cothrom labhairt a nis air a thoirt do bhuill a’ chomuinn a réir an gné. Tha nis feara agus mnài a’ tighinn mar na seilleana, luchdaichte leis gach barail is seanachas fo chromadh an domhan. Is iomadh collunn gun cheann, agus ceann gun chasan a thig air bòrd aca. Cha’n’eil mi idir an aghaidh fìor fheallsanachd agus sàr sgoilearachd nan nàdurrach; oir bha, tha, agus bithidh, tearc dhiubh ’nan daoine geura, breithneachail, diadhaidh, o’n dìoghluimear mòran eòlais ro fheumail. Ach is culaidh-bhròin gu’m bheil àireamh nach gann diubh, aineolach air a’ Bhìobull; agus cuid eile dhiubh, ’nan luchd-àicheidh air Dia. Teallsanaich neo-fheallsanachail, a bheir gach neach agus ni, neo-chruthaichte is cruthaichte, neo-fhaicsinneach is faicsinneach, spioradail is corparra, gu caithir breitheanais an reusan-san chum breith agus binn a thoirt orra. Agus mur glac an reusan mi-reusanta aca-san, toiseach is crìoch, nàdur is gné, modh-riaghlaidh is dòighean-oibreachaidh gach bith is gach dadum, air nèamh, air an talamh, [TD 148] agus fo’n talamh, tilgear air falbh iad mar shal droch mhiotailt. Gliocairean neo-ghlic a’ sireadh gliocais, agus a’ diùltadh eòlais a ghabhail AIR-SAN is e GLIOCAS. “Oir an uair, ann an gliocas nach b’ aithne do’n t-saoghal so Dia tre ghliocas, bu toil le Dia le amaideachd an t-searmonachaidh iadsan a shlànachadh a ta creidsinn.” 1 Cor. i. 21. Cluinn feallsanach Gàidhleach;— “Cò chuartaicheas do bhith a Dhé! An Doimhne ’shluig gach reusan suas; ’Nan oidhirpibh tha aingle ’s daoin Mar shligean maoraich ’glacadh chuain.” . . . . . “An cruthach’ cha dean le uile ghlòir, Lan-fhoillseachadh air Dia nam feart, Cha’n’eil ’s na h-oibre ud gu léir, Ach taisbean earlais air a neart.” II. Beachdan nam feallsanach. ’S e am fallsaire an t-Olla Tindall a ’s ceann-suidhe air a’ Chomunn Bhreatunnach am bliadhna. 1. Tindall,—’S i barail an nàdurraich so, gu’n do shìolaich gach creutair beò, duine agus ainmhidh—corp agus anam o dhus teinnteach nan reul. Tha an duine geur, fòghluimte so ag àicheadh spioradalachd agus neo-bhàsmhoireachd an anma. Cha’n’eil e cur eadar-dhealachaidh ’s am bith eadar spiorad agus corp. Tha e a’ smaointeachadh gu’m bheil aig spiorad feòil agus cnàmhan mar a ta aig corp. Ach is e a thuirt Criosd, “Cha ’n ’eil aig spiorad feòil agus cnàmha, mar a chi sihh agamsa.” Luc. xxiv. 39. Tha mar so an t-oil-fhear Tindall a’ deanamh an anma, do’n aon gné thalmhaidh, dhe’n do rinneadh an corp. ’S i a chreud nach ’eil buaidh no feart ann an anam, no ann an corp, nach faighear ann an sgonn cloiche, no ann an stoc maide. Oir gu’n do chinn araon corp agus anam á duslach nan reul a thàrmaich am broinn neul teinnteach nan rionnag!! Cha deach na sean Sadusaich féin cho fada r’ am bràthair Tindall. Feudar a ràdh mu’n reusanach bhochd so, “gu’n d’ fhàs e dìomhain ’na reusonachadh féin, agus gu’n do dhorchaicheadh a chridhe amaideach.” 2. Huxley.—So fear eile do bhuill a’ chomuinn so. Oileadair iomraiteach agus fòghlumaiche cliùiteach. ’S e a bheachd-san, gu’n do shìolaich an duine agus a’ bhrùid o’n aon sìlein; nach ’eil annta uile ach innealan-gluasaid mothachail. Tha e ag àicheadh neo-nitheachd an anma. Air beachdan eile an fhir so cha leudaich mi. Is Sadusach esan mar an ceudna! 3. Darwin.—So ball urramach eile a bhuineas do’n Chomunn. Ach ghabhainn sé clàir dheug na Brataich ma’n tugainn duibh gèarr-chùnntas air creud an nàdurraich bhior-shuilich ghnìomhaich so; oir cha mhòr nach do labhair e air gach cuspair fo’n ghréin agus os a cionn. Feudaidh mi cò-dhiù a ràdh, gur h-i blaigh d’ a chreud, gu’n do shìolaich a’ h-uile ni, o thearc do phòran beaga aig an robh beatha annta féin. ’S e ’theirear ris a’ chreud aige-san Ròghnachadh Nàdurra. ’S e sin, gu’n robh na [TD 149] creutairean, na lusan, agus na nithean a bu làidire a’ ròghnachadh an leth-bhreaca féin, agus mar so, gu’n robh iad a’ cur ás do na feadhain bheaga, laga, ann a bhi ’g an itheadh, no ’g an saltairt fo na casan. Air an dòigh so dh’fhàs an cuilean coin ’na mhoncaidh, am moncaidh ’na ghorilla, an gorilla ’na chimpansee, agus an chimpansee ’na dhuine! ’S iad na creutairean bàsmhor, neo-chùnntasach so ar sìnn-seachd-sinnsearachd. Theagamh gu’n toir creud an Ròghnachaidh Nàdurra so an d’ chuimhne, creud nan seana Ghàidheal,—Bitheadh e aig an dòrn a ’s cruaidhe. Cha’n’eil fhios agam nach ann o Leabhar Sgeulachdan Caimbeulach Ile, a thionail Darwin na beachdan so; oir tha aon do na sgeòil Ghàidhleach sin ag ràdh mar so,—Bha a’ bhéisd a bu mhò ag itheadh na béisd a bu lugha, agus a’ bhéisd a bu lugha a’ deanamh mar a ’dh fheudadh i. Bha an neach a bu làidire a’ cur chàich fo chìs. Feudar ’s an dol seachad, a’ cheist so a chur ris na feallsanaich gheura so. Cò a chruthaich na reultan aig an robh an dus teinnteach so o ’n d’ fhàs an duine? Cò rinn na pòran aig an robh beatha annta féin? An NEACH a chruthaich iad so uile, an e nach b’ urrainn e duine a chruthachadh ’na ìomhaidh féin, ann an eòlas, fìreantachd, agus naomhachd le uachdaranachd os ceann nan creutairean. Ach fathast air a’ phuinc so. 4. Sir Iain Luboc.—So gliocair inbheil eile aig am bheil spàg mhòr ’s a’ Chomunn Bhreatunnach. ’S e creideamh an Ridire ionnsaichte so, gu’n do rugadh ar ceud sinnseara o chreutair nach airidh air an ainm duine a thoirt da. Bha Adhamh agus Eubh am beachd Sìr Iain a réir coslais air am breth le ainmhidh; ann an tùs an latha ghabh iad orra féin ìomhaidh leanabana laga, lapach. Fòghnaidh na dh’ fhòghnas do fheallsanachd mhi-nàdurra an Ridire chòir. Tha so a’ toirt a’ m’ chuimhne gné creidimh air an cuala mi iomradh aig seana chaillich chòir ’s na h-Eileana Gàidhleach an uair a bha mi a’ m’ bhalach. ’S e chanadh i ris,—creideamh nan each! 5. Diùc Earaghàidheil.—Cha’n ’eil mi idir a’ meas gu’m bheil an Diùc tapaidh, fileanta, anns gach ceum cosmhuil ris na nàdurraich air am bheil mi ag iomradh. Oir tha e ag creidsinn a’ Bhìobuill, agus is iomadh uair a dh’ fheuch e r’ a dhìon o na reusanaich so. Ach ann a bhi a’ deanamh so, ghabh e taobh nam fallsairean anns a’ cheum a leanas. Tha an Diùc a’ reusonachadh mar so; gu’n do rugadh an duine o ainmhidh a rinneadh do ’n duslach, agus mar sin gu’m feudar a ràdh gu’n do chruthaicheadh an duine do dhuslach na talmhainn. Bha Adhamh agus Eubh am beachd an Diuc a réir a’ h-uile coslais, air am breth faisg air aon àm, le gorilla no le beathach air chor-eigin do’n ghné sin. Ach an uair a rugadh iad, bha spionnadh cuirp agus toinisg nàdurrach aca, a bheireadh an aire dhoibh féin. Is cosmhuil nach b’ uillear doibh, oir cha robh mòran toinisg aig am màthair; agus theagamh nach robh ’nan athair bochd ach cuilean madaidh-ruaidh a bha a’ ruith nan cearc ann an ceann eile na dùthcha. Cuiridh e sgàineadh air mo chridhe a bhi a’ cluinntinn o dhaoine glice, gur iad na ceithir-chasaich so mo sheanmhair agus mo sheanair. C’ arson nach ’eil na brùidean bochda so ’nar là-ne a’ breth cloinne mar o shean. 6. Liathadh mo cheann na’ rachainn a dh’ aithris air bruadaran cuid eile do bhuill a’ Chomuiun so, mar tha Sìr Tearlach Liell agus mòran a [TD 150] thuilleadh air. Ni mò a shalaicheas mi mo theanga a labhairt air cuid diubh a tha do’n bheachd, gu’n robh an cruinne-cé ann o shìorruidheachd, agus gu’m bheil an saoghal féin ’na dhia!! III. Barail nam balach Gàidhleach air na feallsanaich: Feallsanachd Alastair Bhàin,—“Tha mise,” arsa Alastair Bàn MacArtair rium féin, an latha roimhid, “am fheallsanach cho creideasach agus cho cothromach ri aon do bhuill a’ Chomuinn Bhreatunnaich. Théid mi an ath-bhliadhna a bhitheas iad an Glaschu, agus leughaidh mi òraid air an rathad ’s an ’d thàinig an cinnedaonna. Cuiridh mi na cinn agus na casan a leanas air m’ argumaid; (1) gu’m bheil sìlein beag, bìodach am broinn smugaid na cuthaig; (2) gu’m bheil an sìlein so a’ fàs ’na chnuimh bhig; (3) a’ chnuimh bheag ’g a cruth-atharrachadh féin gu bhi ’na leumnach-uaine; (4) an leumnach-uaine gu bhi ’na apa; (5) an apa gu bhi ’na baboon; (6) am baboon gu bhi ’na ghorilla; (7) an gorilla gu bhi ’na orang-outang; (8) an t-orang-outang gu bhi ’na dhuine—Mac Cuthaig; (9) thugadh Artair ’na ainm air Mac Cuthaig; agus, (10) Mac Artair ’na ainm air a mhac-san; uime sin feudar a ràdh gu cinnteach, ceart,—cnoic is uillt is Alpanaich; ach c’ uin a thàinig Artaraich. ’S ann do’n dream-dhaoine so mar an ceudna, Mac an Apa—giullan teabaiseach, ris an d’ thuirt an gorilla fanoideach, aon latha ann an làthair nan leth-bhràithrean am Baboon agus an t-orang-outang: abair tri uairean Mac an Apa, gun do chab a dhùnadh.” “Dhearbh thu,” arsa mise ri Alastair, “do phuinc a’ chearta cho diongmhalta, soilleir ris an fhear a’s fèarr do na feallsanaich. Ruig an Comunn an ath-bhliadhna. Bheir thu braighghill air Darwin fein. A so suas ni sin mar Ghàidheil uaill ás a’ ghliocair mhòr Alastair Bàn Mac Artair.” “Ach stad ort,” arsa mo charaid Alastair rium féin, “gus an cluinn thu fathast teallsanachd Eachainn Ruaidh.” 2. Eachann.—A nis tha Eachann ’na dhuine spéirideil beachdail—cìobair a chaith iomadh bliadhna feadh sgorra-bheanna na Gàidhealtachd. Sgrùd e gu cùramach, sgrìobhaidhean nan seana Chaldéach. Chaith e mòran d’ a latha ri speuradaireachd, agus ri dreagaireachd; chunnaic e tric feadh nam beann spiligeanan a thuit a nuas o niallaibh teinnteach nan rionnag. Tha e do’n bheachd gu’m feudadh o shean, sgriotachain chloinne fàs ás na spiligeanan so. Is Niallach Eachann e féin. Agus air do eachdraidh a bhi ag innseadh dhuinn gu’n robh birlinn aig Niallach Bharra e féin, ann an làithibh Noah, tha Eachann Ruadh Niallach do’n bheachd gu’n d’fhàs an fhinne aca-san á spiligeanan duis a thuit a nùas á Niallaibh smùragach, blàth nan reul. Thuirt mi ri Eachann, “cuir do bhriathran an òrdugh, agus leugh an ath-bhliadhna paipeir air a’ phuinc sin do’n Chomunn Bhreatunnach. Bheir thu leis na beachdan nàdurrach sin agad mu thùs a’ chinne-dhaonna, bàrr agus buaidh air Tindall féin. Feudaidh tu fein agus Alastair bhi fathast ’n’ur cinn-shuidhe aig a’ Chomunn Bhreatunnach.” Ach, a leughadair, gu fealla-dhà fhàgail, agus gu tighinn a nis gu fealla-tri tha argumaidean Alastair agus Eachainn mu chruthachadh an duine, a chearta cho reusanta, seadhail ri argumaidean nan nàdurrach Breatunnach air a’ phuinc cheudna. ’S e reusonachadh co ionnan a th’ann. Is ann a chum agus gu’m faicteadh, nach ’eil aig mòran do na feallsanaich [TD 151] ach drabhloinn ruaipeis, agus breugan a thug mi fa d’ chomhair faoin-bharailean mo chàirdean, Alastair agus Eachann. Ach thoir fainear gur fada, fada, uamsa na feallsanaich uile a chur ’s an aon champ. Tha cuid aca air am bheil mòr mheas agam mar dhaoine ro fheumail ’nan latha agus ’nan ginealach. Agus cha bu mhisde sinn idir mar Ghàidheil cuid d’an sgrìobhaidhean luachmhor a bhi againn ’nar cànain mhaithreil. IV. Nàdurraich aindiadhaidh.—Tha iad so a’ lìonadh beul nan amadan a ta ag ràdh ’nan cridhe nach ’eil Dia idir ann, le argumaidean mallaichte a tha a’ deanamh mòrain croin. Tha rìs Deasaichean phaipeirean naigheachd an-Dia-àicheidh a’ moladh nàdurrachd agus reusontachd nam feallsanach cuthaich; agus le briathraibh milis, agus “le miodal a’ mealadh cridheachan na muinntir a ta neo-sheasmhach.” Tha iad so uile ann an cobhoinn a chum spideag a thilgeadh air na ministirean, agus gu clach a thilgeadh air a’ Bhìobull. Tha na-h-aineolaich-d’an deòin so a ciontachadh gu h-an-tromaichte anns na ceumaibh ro chudthromach a leanas:—Tha iad ag àicheadh; (1) priomh-bhunaitean reusain, agus prionnsapalan na fìor fheallsanachd; (2) nèamhaidheachd bith na coguis; (3) cunntasachd a’ chreutair reusanta; (4) spioradalachd agus neo-bhàsmhoireachd an anma; (5) peacadh gin agus peacadh gnìomh; (6) spioradan neo-fhaicsinneach; (7) néamh agus ifrinn; (8) bith, cumhachd, gliocas, freasdal, agus, focal Dhia; (9) bith agus obair an Spioraid Naoimh; (10) bith, breith, bàs, aiseirigh, ardachadh, agus làithreachd uile-leirsinneach Chriosd. Tha iad ann an aon fhocal, ’a diùltadh gabhail ris a’ Bhìobull, agus creidsinn ann, mar eachdraidh fhìrinnich agus naomh-dheachta, a tha toirt eòlais duinn air gach ni a’s còir do’n duine a chreidsinn mu thimchioll Dhé, agus an dleasdanas a tha Dia ag iarraidh air an duine. “Muinnitir a chaochail fìrinn Dé gu bréig, agus a thug aoradh agus a rinn seirbhis do’n chreutair ni ’s mò na do’n Chuithear a ta beannaichte gu sìorruidh. Amen.” Rom. i. 25. V. Am Bìobull agns na feallsanaich.—Cha’n’eil am Bìobull a’cur glas-ghuib air neach ’s am bith. Oir tha e ag ràdh mar so, “Am fàidh aig am bheil aisling, Innseadh e ’aisling; ach esan aig am bheil m’ fhocal-sa labhradh e m’ fhocal-sa gu dìleas: ciod e am moll do’n chrunneachd? deir an Tighearn.” Le “focal an De bheò, agus a mhaireas gu sìorruidh” ’nar làimh; bitheadh na feallsanaich a’ trombaireachd; bitheadh Deasaichean nan litir-naidheachd a’ dreallaig r’ am broineagan reusonachaidh; agus bitheadh gaothrain na sgeige air diadhachd a’ casadh am fiaclan agus a’ bleth. Tha sinn a’ cur fàilte air gach feallsanachd cheart, agus air gach eachraidh fhìor air an urrainnear greim a dheanamh. Oir tha sinn dearbh chinnteach á so, nach breugnaich Leabhar a’ Chruthachaidh air a mhìneachadh gu ceart, gu bràth, Leabhar an Fhocail air a mhineachadh a réir inntinn an Spioraid. Tha e eu-comasach gu ’m breugnaich obair an Tighearn a chaoidh Focal an Tighearn. Cha téid gniomh a làimhe-san, gu siorruidh an aghaidh focal a bheòil. So an leanabh beò air nach feud gliocairean an t-saoghail so da leth a dheanamh. Tha an da leabhar so [TD 152] dluth-cheangailte r’ a chéile, oir is e Dia a ’s ùghdar doibh maraon Feudaidh diadhairean agus feallsanaich mineachadh mearachdach a dheanamh air na leabhraichean so, agus mearchunntas a chur air an Ughdar Uile-ghlic agus Uile-fhiosrach; ach a dh’aindeoin so uile tha am fìrinnean bunaiteach agus stéidheil-san a’ fuireachd do-atharraichte. Dheachd agus chriochnaich Ughdar a’ chruthachaidh Leabhar an Fhocail. Tha e fosgailte do na h-uile. Bheir gach taobh-duilleig dheth dùlan do gharbh ionnsuidh gach nàmhaid. Cuiridh an criosduidh a’s laige, agus a’s neo-choslaiche, an uair a ghabhas e “briathran na beatha maireannaich” agus crann-tabhuil a’ chreideimh, an deò ás gach Goliah neo-thimchioll-ghèairrte a bheir tiobheum do ’n Dia Bheò. Cha’n’eil fathast ach duilleag no dhà do Leabhar a’ chruthachaidh fosgailte. Deanadh na feallsanaich uime sin gu rèidh, gus am fosgail iad an Leabhar gu h-iomlan, agus an leugh iad troimhe e. Gabhadh iad speuclair an Fhocail an gràdh na fìrinn chum leabhraichean a chruthachaidh agus an Fhreasdail a leughadh gu faicilleach, tuigseach, agus éisdidh sinn an sin r’ am feallsanachd theagasgail agus luachmhoir. Is iad na feallsanaich, a’s doimhne breithneachadh, iadsan a ta a’ creidsinn a’ Bhiobuill, eadhon gu litireil féin. Oir mar a deir Iob, “tha spiorad ’san duine agus bheir anail an Uile-chumhachdaich tuigse dha.” Tha an Salmadair ag ràdh mar an ceudna, “Bheir fosgladh do bhriathar solus, a’ teagasg nan daoine aon-fhillte.” Is Focal fàidheadaireachd cinnteach, do-sheachainte feumail, am Biobull, anns gach ceum d’ar beatha. An uair a thogas e a cheann am measg nam feallsanach aindiadhaidh cuiridh e fiamh a steach ’nan coguis, a bheir orra an ruaig a ghabhail, a’ chearta cho cinnteach agus a chuir làithreachd uile-fhiosrach Chriosd teicheadh air “luchd-casaid na mnà.” Tha na feallsanaich bhochda air an roinn,—fear a deanamh breugach fir. Am measg na troimhe-chéile so tha iad anns a’ cheò, no mar na doill a’ smeurachd air son a’ bhalla. Tha aig an àm so féin clachan ag éirigh ás an leapaichean falaich, a tha a’ cur clisgidh air na laoich so, agus a’ fàsgadh uapa os iosal na h-aidmheil so, “Tha am Bìobull ceart an dêigh a’ h-uile rud.” I. S. M. N. CLANN-NIGHEAN NIGRITIA. ’S e Nigritia cèarnaidh a tha ann am meadhon Africa. Agus gu dearbh féin cha ’n aithne dhomh-sa mir dhe ’n chruinne-ché a ’s freagaraiche na e mar ionad-tàimh air son seana mhaighdeanan agus seana ghillean an àite so. Tha fios gle mhaith agam, gu ’m bi e ro dhuilich impidh a chur air na seana ghiullain togail orra gu Nigritia. Ach tha mi deimhin ás, an uair a chluinneas, cha ’n e mhàin na seana mhaighdeana, ach mar an ceudna na nigheana òga, dé a’ seòrsa ghné àite a th’ ann do Nigritia, gu ’m falbh iad ’n am beithir-bheumanaibh a ghabhail fad seilbh air an dùthaich àghmhoir, shona so. Feudar Talamh nan Ban a thoirt mar ainm air an tìr so. Agus innsidh mi dhuibh an nis c’ arson; oir tha mi làn chinnteach ás gu ’m bheil fadal oirbh cliù na tìre beusaich so [TD 153] a chluinntinn. Ma ta, eadar sibhse agus mise is maith an innseadh air an fhearann so, gu ’m bheil an làmh-an-uachdar gu h-iomlan aig na mnathan agus aig na h-òighean ann—o ’n chruinneig uasail ard-ghuthaich, a ta na suidhe air an rîgh-chathair, no mar a b’ fhèarr a dh’ fheudtadh a ràdh, a bhan-righ-chathair, gus a’ ghruagaich ghaslaich a ta fathast a’ ruith nan laogh. Is iad na boirionnaich a ta a’ riaghladh aig a’ bhaile agus o ’n bhaile,—aig ceann an teallaich agus air an raon chatha. Cha’n ’eil ainnir òg ’s an rìoghachd aig aois pòsaidh, aig nach ’eil leannan; oir is i féin a ta a’ deanamh a suas a’ mhairiste. Is iad a’ Chlann-nighean iad féin a ta a’ roghnachadh nam fear, agus ’g an suiridh. Cha ’n ’eil seana ghille air fonn na dùthcha, a chionn cha ’n ’eil a bhi beò aige, gus am pòs e. Tha deadh chliù eile a bhuineas do Thalamh nam Ban, agus is i sin so; ged chuireadh tu cearcal air an dùthaich, cha ’n fhaigh thu seana mhaighdean innte. Tha iad uile air an tigh agus air tigheadas, o nighean a’ ghobha gu ogha a’ cheaird. ’S e is aobhar dha so, gu’m bheil gach ni an làimh nam ban, agus far am bheil an toil, bithidh an gnìomh. Cha robh an Gàidheal curanta, tapaidh, an t-Olla Livingstone a chaochail o cheann ghoirid a’ rannsachadh a mach Africa, an toiseach, toileach na nithean so mu Nigritia a chreidsinn. Ach an uair a ràinig e an t-àite, cha’n ’eil ni a thuirt mi mu ’dheibhinn nach fhaca e le a dhà shùil fein. Tha an t-Olla fìor chliùiteach so, ag ràdh mar an ceudna, nach fhaca agus nach cuala e iomradh riamh air borb-dhaoine am measg an robh uibhir do ùghdarras aig na mnathan. Oir mar a ’s trice am measg nan daoine fiadhaich, tha na boirionnaich ’nan daor thràillean, ’nam pacaidean a’ tarruinn nan eallach, agus a’ giùlan na cloinne. Tha iomadh fear am Breatunn aig am bheil fios air a chostus, gu’m bheil Nigritia an ceann na cagailt aige,—a bhean a’ caitheamh na briogais agus e féin na chìolaig bhochd gun mheas, gun rath. Tha mòran do Nigritia am measg nam ban Americanach; oir gheibhear àireamh nach tearc diubh, gu dalma, fearail a lìonadh àite nam fear. Tha Nigritia a’ toiseachadh agus a’ freumhachadh againn ’s na rìoghachdan so féin; oir gheibhear ’nar measg mnathan le làmhachas laidir a’ deanamh greim air dreuchdan a shaoil sinne a bhuineadh do na fir. An e gu’m bheil sinn a’ fòghluim o na h-Etiopianaich bhochda a ta a’ tuineachadh aig bun nan tom ann an Nigritia? An uair a bhitheas briseadh-pòsaidh am measg nan Nigritianach, ’s i a’ bhean a ta toirt litir-dhealachaidh do’n fhear. Leanaidh a’ chlann rithe-se. Theagamh gu’m bi an dà ni so ’nan cnap-starra do na seana ghillean a dhol do Nigritia; gur h-ann dubh a tha a’ chlann-nighean, agus gu’m feum gach fear a phòsas te dhiubh, connadh a chumail r’a mhàthair-chéile am fad agus a ’s beò i. Ach air son nan seana rìghinne againne, ma bheir a’ bhuidhinn a ta cur eilthireach air imrich gu céin-thìrean brath dhoibh air Talamh nam Ban, falbhaidh iad gu crom, uaigneach, gun ghuth air airgiod aiseig a phàigheadh air an son. Ged thug mise seachad am fathunn beag so, labhraibh os iosal air a’ chùis, ma’n téid fuaim a mach a chuireas siubhal fo sgéith na cloinn-nighean. [TD 154] AM BUIN EAGAL DO BHEATHA A’ CHREIDEIMH? Ann a bhi toirt focail freagairt do ’n cheist so cha do leig mi idir air dìchuimhn’ mo ghealladh do ’n Deasaiche a bhi cur ri chéile tearc do smuaintean fathast ann an rathad comhdhunaidh air nàdur aithreachais shlàinteil air an robh mi ag oidheirpeachadh labhairt mar tha ann an caochladh àireamhan do ’n Bhrataich. Tha mi ’n dòchas ma ’s e toil an Tighearna e an gealladh sin a choimhlionadh ann an glé bheag ùine an déigh so. ’Se dhùisg a leithid so a’m’ inntinn aig an dearbh àm so a bhi a’ leughadh anns an àireamh mu dheireadh do ’n Bhrataich beachdan òrdail agus fallan, “I. S. Mac-Néill” air “Dùsgaidhean;” ach gu sònruichte Dusgaidhean an latha ’n diugh. Cò air bith “Iain S. Mac Néill” tha mi ’g iarraidh an cothrom so a ghabhail ’s an dol seachad air a bhi cur an céill mo thaing ’s mo dheadh rùin dha air son an dòigh shoilleir sgrìobturail, a réir mo bheachd-sa, anns an do laimhsich e a’ phuinc chudthromach a bha fa chomhair inntinn. Tha e ’n a aobhar gàirdeachais gu’m bheil eadhon fuigheall ’n ar measg fathast a tha neo-sgàthach agus duineil na ’s leòir gu bhi togail an guth an aghaidh nan nithean sin an comhcheangal ri aobhar Dhé a tha ’nam beachd-san an aghaidh an lagha agus na fianuis; oir mur labhair agus mur gluais daoine a réir an fhocail so, ’sann a chionn nach ’eil solus annta. Tha mòran aig a’ cheart àm so agus ma choinnicheas iad neach nach’eil làn deas air a bhi slugadh cearta còmhla, agus a dh’ aon bheum gach ni a thoilicheas iadsan a smuainteachadh no a ràdh, mu nàdur agus mu fharsuinneachd an Dùsgaidh sin a tha iad a’ cumail a mach a bhi dol air aghaidh an Alba o cheann beagan mhìosan air ais, ’s ann a tha iad ’g a chur sìos air ball mar dhuine gun dùrachd, gun eud mu ghlòir Dhé, no mu leas spioradail a cho-chreutair. Cinnteach gu leòir tha e ’na ni amaideach agus cronail a bhi ’g àicheadh, gun làn dearbhachd agus bharantas air sin, nach deachaidh maith idir a dheanamh troimh an Dusgadh sin. Ach tha e chearta cho amaideach agus cronail a bhi labhairt, agus mar gu’m b’eadh a’ cur an céill air mullach nan tighean le a leithid do chinnteachd agus mhuinghin, nach robh dusgadh riamh an Alba cho farsuinn agus torach ris an fhear so mu dheireadh; am feadh ’s a ta daoine aig a’ cheart àm gun fhìor bharantas ’s am bith aca fhathast an e fìrinn no breug a ta iad a’ labhairt. Bu chòir dhoibh foighidinn a chleachdadh car tacuin gus am faiceadh iad, do bhrìgh ann an spiorad an t-seann fhocail fhìrinnich “nach òr a’ h-uile rud buidhe, agus nach ubh a’ h-uile rud bàn.” Tha e tèaruinte gu leòir a ràdh gu bheil aig a’ chuid a ’s feàrr gné agus tomhas toraidh an dùsgaidh so fathast ri bhi air a dhearbhadh. Agus tha e duilich a ràdh cò aca a ’s mò a tha toirt a dh’ oilbheum agus a dh’ eas-onoir do Spiorad Dhé, iadsan a ta diùltadh creidsinn agus gabhail ri ’obair ’n uair a ta iad fathast teagmhach an i ’obair da rìreadh a th’ann, no iadsan a ta cur nithean agus oibrean ás a leth nach buin idir dha, ach theagamh a bhios air an dearbhadh ann an ùine gheàirr ann an cùrsa agus fo riaghladh a fhreasdail a bhi o athair agus o ùghdar buileach eadar-dhealaichte. ’Se so, ma ta, ar seasamh air a’ phuinc so gu’m bheil toraidhean matha an Dùsgaidh [TD 155] dheireannaich so ann an tomhas mòr amharusach agus teagmhach fathast. Oir aig a’ chuid a ’s feàrr, mar tha Mr. Mac-Néill ag ràdh, cha’n ’eil iad fathast ach anns an fhochann, ma tha iad eadhon an sin féin, am feadh ’sa tha a dhroch thoraidhean cho soilleir ri gathan na gréine. Ge b’e air bith math a thig ás tha e ’na aobhar eagail mòr gu’m faigh aobhar Dhé an Alba am barrachd calla agus dochainn na gheibh e gu bràth do mhath ’n a lorg. Oir cò aig am bheil fìor spiorad agus chreud Chalbhin, Knoics, agus Aithrichean an Ath-leasachaidh an coitcheannas a ’s urrainn car aon mhionaid àicheadh nach robh an Dùsgadh deireannach so, os ceann gach Dùsgadh eile a bha riamh an Alba, ’n a mheadhon air aoradh follaiseach Dhé a thruailleadh le bhi cur laoidhean neo-chomhlionta dhaoine ann an àite shailm dheachta Dhaibhidh, agus a’ gnàthachadh innealan ciùil chum a bhi deanamh seinn a’ chridhe ’s na teanga ni ’s taitniche do Dhia. Agus cha robh comas air na ’n stadadh an t-olc an sin. Tha mòran do dhaoine diadhaidh anns gach eaglais a tha dhe ’n bheachd, agus tha e tuilleadh ’s coslach nach ann gun deadh aobhar, gu’n robh fìor aomadh aig an Dùsgadh cheudna gu bhi gintinn agus ag àrach ann an inntinn òige ar latha cuid do bheachdan mi-sgriobtuireil agus sgriosail Arminiuis agus a luchd-leanmhuinn, a thaobh féin-chomas toile nàdurra mhi-nuadhaichte an duine a bhi cur greim air a’ bheatha mhaireannaich; agus air an aobhar sin gu bhi anns an tomhas cheudna a’ cur folaich air glòir àrd-uachdaranachd comhairle gràis agus obair Dhé mar ùghdar agus fear-crìochnachaidh creideamh agus saorsa shìorruidh a shluaigh. Feudaidh cuid an sùilean a dhùnadh air na h-uilc so an diugh, no theagamh bhi coimhead orra mar nithe matha agus ionmholta annta féin; ach ’s ann a tha sin a’ toirt an còrr dearbhachd gu’m feud iad fathast, agus sin theagamh an ùine gheàirr, toraidhean searbh agus brònach a thoirt a mach ann an eaglaisean Ath-leasaichte ar dùthcha. Ach ’s e chuid do phaipeir Mhr. ’Ic-Néill gu sònruichte a rinn greim air m’ inntinn, far am bheil e deanamh iomraidh air ceithir easbhuidhean àraidh air creud fhasanta an là ’n diugh. Tha mi le m’ uile chridhe a’ cur mo sheula ris na thuirt e air a’ phuinc sin; ach ann a bhi ’g an leughadh thairis bhuail e mi air ball gu ’m feudadh e an còigeamh aon a chur riutha; agus ’s e sin easbhuidh faiteachais no eagail; agus mar sin easbhuidh ceasnachaidh, am beil no nach ’eil iad ’s a’ chreideamh; an tig no nach tig iad a dhéigh làimhe air a’ ghealladh a dh’ fhàgadh aca dol a steach do shuaimhneas Dhé. Ann a bhi leughadh no ’g éisdeachd earrainn mhòir do ’n teagasg a bh’ air a thoirt seachad ri linn Dùsgadh nan Americanach ’s ann a shaoileadh duine nach d’thug Dia riamh a leithid so do chomhairle d’ a shluagh, “Deanaibh seirbhis do ’n Tighearna le h-eagal, agus deanaibh gàirdeachas le ball-chrith.” ’S i so a’phuinc gu h-àraidh air an robh rùn orm focal a ràdh ’n uair a thoisich mi; ach chuir mi uiread do m’inntinn an céill air punincean eile comh-cheangailte rithe gus nach feud mi dol ni’s faide aig an àm so. Bidh sùil agam, co-dhiù, ma cheadaichear dhomh, a’ cheist cheudna a thogail anns ann ath àireamh. EACHUNN CAMARON. [TD 156] CLEACHDANNA ’S AN TUIRC. Ged tha na Turcaich còrr a ’s cuig ceud bliadhna an coimhearsnachd nan Eòrpach lean iad fathast gu mòr r’an deas-ghnàthan Asiach. Tha iad ’nan giùlan agus ’nan gluasad tur dhealaichte uainne. Is maise leòtha-san am falt a thoirt diubh cho lom ri d’ bhois; ach is peanas leinne e. Bheir sinne dhinn na làmhainean an làthair rìghrean is dhaoine mòra; ach ’s ann a chòmhdaicheas iadsan an làmhan le muilichinnean an còta. An uair a théid sinne a stigh do thigh bheir sinn dhinn ar ceann-aodach; ’s ann a bheir iadsan diubh am brògan. ’Nar measg-ne tha na boirionnaich mar a ’s trice ni ’s déidheile air rìmheadh na na fir; ach ’s an Tuirc, agus feadh Asia is iad na fir a ’s toighiche air eudach dealrach, ioma-dathach. Againne bithidh am maighstir a’ feòraich mu chliù an t-seirbhisich agus ag iarraidh a theisteanais air; ach ’nam measg-san, ’s ann a bhitheas an gille, no an searbhanta a’ fidreachdain mu dheadh ainm a’ mhaighstir agus a faotainn a theist uaithe. Is e aobhar-uaill leinne a bhi maith air dannsa; ach is culaidh-ghràin agus aobhar-nàire leis an Turcach an obair iollagach so. Cuiridh e iongantas ar cridhe oirnne nach ceannaich agus nach reic iadsan air dàil; ach cuiridh e mòr ìoghnadh orra-san na tha do chrei deas agus do fhiachan ’n ar luib-ne og aca-san gu céiliah no. Gabhaidh sinne a leithid do splèamas an uair a chi sinn nach téid sean no gu tighean-cluiche follaiseach; ach cuiridh e tòrr neònachais orra-san gu’m bheil cho beag meas againne air ar teaghlach, agus gu’m bheil sinn cho mi-shona leò aig an tigh, gus nach urrainn diunn gu ’n tàrr ás gu céilidh dhìomhain ,agus gu teachan àbhachdais, agus gu fàrdaichean misgeireachd a’ bhaile. Cha’n ’eil dad againn r’ a mhaoidheadh air na Turcaich air son nan nòsan duthchasach so. Ach tha sinn calg-dhìreach an aghaidh na coimhleapachd adhaltrannaich a ta lagh na rìoghachd agus creud shalach, thalmhaidh, an fhàidh-bhréige, Mahomet, a’ ceadachadh ’nam measg. IRISEALACHD FEIN-THOILEACH AN SIAM. ’S i rìoghachd mhòr a ta an Siam. Tha i an Asia ma dheas, deas air Impireachd Bhurmah agus Anaim. Tha riaghladh na dùthcha gu mòr an làmhaibh muinntir Chìna a ta ’nan ceannaichean saibhir ’s an àite. Ach tighinn gu brìgh mo sgeòil. Tha na Siamaich ro ainmeil air son cho modhail agus a tha iad do aon a chéile. Théid am bràthair a ’s òige air a dhà ghlùin an uair a bhitheas e a’ bruidhinn ris a bhràthair a ’s sine, no a’ sìneadh ni ’s am bith dha Cha seas an òigridh aig àm air air an casan, an uair a ta iad a’ labhairt ris an aois; ni mò a sheasas am bochd an uair a bhitheas e a’ deanamh gnothuich ris a’ bheairteach. An làthair an rìghrean crùibainidh tighearnan agus ban-tighearnan a sìos agus falbhaidh iad air am màgan cosmhuil ri beathaichean ceithir-chasach. Cha’n fhad o ’n thàinig teachdairean rìoghail o chùirt Shiam a chuir fàilte air Ban-rìgh Bhictoria aginne. Ach rinn na Siamaich inbheil so troimhe-chéile mhòr, an uair am measg nan Diùcan, nan Iarlachan, agus nan Tighearnan Breatunnach a leum iad air am màgan agus a chlobh iad suas gus a’ rìgh-chathair a cho-labhairt ris [TD 157] a’ Bhan-righ againne. Chuir an irisealachd féin-thoileach truas air daoine mòra na rìoghachd so. Saoilidh am fear a ta gun mhodh, gur h-e am modh am mì-mhodh. Tha mar so modhalachd reusanta taitneach, ach cuiridh modhalachd mhi-reusanta daoine air an mi-thapadh. “Gun chridh’aig na daoin’, A bh’air lomadh le h-aois, Le ’n claigeannan maola truagh; Bhi seasamh a’ d’ chòir, Gun bhoineid ’nan dòrn, Ge d’ tholladh gaoth reòt’ an cluas.” FAS AINGIDHEACHD. Gen, xv. 16.—“Cha’n’eil aingidheachd nam Amorach fathast iomlan.” ROIMH-RADH. Thàinig na h-Amoraich a nuas o Emor, an ceathramh mac a bh’ aig Cànaan. B’iad an treubh a bu mhò agus a bu làidire do na dreaman a dh’ àitich tìr Chànaan roimh àm nan Israelach. Mu àm buaidh nan Israelach bha cùig rìghrean aca os ceann bhuidhnean an àitean fa leth—rìgh Ierusaleim, Hebroin, Iarmuit, Lachish, agus Egloin, a bhàrr air strathan eile. Bha iad cho lìonmhor ’s gu’m bheil iomradh orra ’na uairean mar an aon luchd-àiteachaidh ’san tìr. Agus bha iad ro chliùmhor am measg nan cinneach mu’n cuairt air son an tréine. Gidheadh, a dhaindeoin an líonmhoireachd, an neirt, agus am feara-ghnìomh, thàinig tanachadh, lughdachadh, agus tur sgrios orra fa-dheòidh, a’ sguabadh am mòrchuis, an ainm, agus am bith mar chinneach, bhàrr aghaidh na talamhhainn! Ri àm Abrahaim cha robh aingidheachd nan Amorach fathast cho làn; ach an ùine gheàrr dh’ fhàs cupa na cuid diubh a bha ann an ceithir bailtean a’ chòmhnaird suas gu cur thairis, ann an Sodom agus an Gomorrah, an Admah agus an Seboim. Air do chupa am peacaidh-san fàs iomlan bhrùchd teine feirge an Aoin Shìorruidh a mach orra o dhoimhneachd nan nèamha—’nan aobhar rabhaidh is eagail do gach linn ri tighinn ’n an déigh! A rìs ’n uair bha cupa an aingidheachd a’ tighinn gu h-iomlanachd chaidh na cùig rìghrean a dh’ ainmeachadh, le Og is le Sihon, maille ri cinn-fheadhna eile, a chaitheamh ás ann an uamhasan cogaidh is casgraidh roimh ghnùis eagalaich bhuadhaich chloinn Israeil aig an robh fàbhar néimh! An sud bha an aingidheachd iomlan; thàinig àm Dhé; agus cha deanadh misneachd, fearalas, no gaisge gàirdean feòla an dìon o làmh dìoghaltais an Uile-Chumhachdaich. An déigh sud cluinnidh sinn iomradh air treubhan beaga do na h-Amoraich—na Gibeonaich ’s na h-Iebusaich; agus ri linn Sholaimh gheibh sinn an t-iomradh mu dheireadh orra. Chaidh an ainm a dhubhadh a mach á clàr-ìnnsidh an t-saoghail air son an eusontais. Thilgeadh gu làr mòrachd an uaill air son an sìor leantuinn ann an ceannaire an aghaidh Aon Naomh Israeil. Mar sud tachraidh do gach cinneach a dhi-chuimhnicheas Dia—do gach rìoghachd nach aidich ’Ughdarras-san—do gach sluagh a tha tilgeadh dhiubh boinn na Naomhachd agus a thuiteas a dh’ aoradh do Dhiathan tràilleil am mac-meamna agus an cuirp fheòla féin! O dìomhanas ar strì ri Dia! O cho dall-inntinneach agus a tha [TD 158] sinn air nithe Dhé! a dh’ aindeoin gach dìoghaltais a chì sinn a’ tighinn air càch fathast tha sinn rag-chridheach a’ lìonadh cupan feirge dhuinn féin! FEUCH AN FHRAING! ’S ann mar a thachair do na h-Amorach á thachras do gach rìoghachd anns gach linn do dh’ eachdraidh an t-saoghail. Tha Dia a’ ceadachadh do rìoghachdan aingidh fuilteach fàs suas gus an lìon iad cupa an eusontais—gus an tig làithean iomlanachd an aingidheachd; ach an sin thig tuiltean sgiùrrsaidh agus feirg Dhé orra a bheir am mòrachd, an crùn uaill gu doimhneachd breitheanais; agus an uair a thuiteas iad ’s mòr an tuiteam! Gheibh thu eiseimpleirean air an fhìrinn so am measg nan làithean a dh’ fhalbh agus nan làithean a th’ ann. ’Nar làithibh féin ciod a tha eachdraidh na Spàinnt, na h-Eadailt, na Frainge, agus na h-Austria a’ teagasg? Bu rìoghachdan iad sud a bha aon uair ro ghreadhnach le beairteas, le sògh, agus le gaisge; ach tha iad an diugh ’nan dithreabh do dh’ fhoill, do dh’ fhuil, agus do dh’ fhòirneart mòr—an sluagh agus an luchd-riaghlaidh o bhliadhna gu bliadhna, agus o là gu là, ann am buillsgein muirt is àir, toradh an aingidheachd. Seall gu h-àraidh air an Fhraing. ’Saithne dhuit gur h-ise an riòghachd a b’ fhaide a sheas ann am bràithreachas dìleas ris a’ Phàp—ris an Ana-Criosd—is ciod a thàinig an lorg sud? Bha an Fhraing fiòr shalach air gach dòigh o cheann linntean. Dh’ fheudteadh ach beag a ràdh mu déibhinn, gu’n deachaidh i uile air seachran, cha’n’eil neach beusach ’na crìocha, cha’n’eil fiù a h-aon. Bha bréine is mosaiche anns gach tigh agus anns gach slighe. Bha subhailc na rìoghachd ’ga deothal ás air gach taobh—iodhal-aoraidh Pápannachail a’ sgrios o’n dara ceann agus Dia-àicheadh o’n cheann eile. Chluinnteadh o a mic aindiadhaidh dàn toibheum do’n Uile-Chumhachdach ’na sheirm oillt air gach làimh; ’n uair a bha a latha naomh air a mhi-naomhachadh le cleachdadh gach gné uilc a b’ urrainn inntinn dhaoine a dhealbh. Ach bha gach ni fosgailte do shùil naoimh Dhe’. Bha esan ag ràdh mu ’n timchioll mar thubhairt e o shean mu na h-Amoraich, “Cha’n ’eil aingidheachd nam Frangach fathast iomlan.” Shaoileadh tu gu ’n robh an iomlanachd mòr ’n uair a chaidh deich ’s tri fichead mìle Prothastanach a chasgairt ’s a mhort air sràidibh a bailte mòra; ach tha Dia foighidneach; agus bheir e gu crich ’na àm iomchuidh féin. Fa-dheòidh thàinig iomlanachd peacadh na Frainge gu h-àirde ro mhòr. Thàinig àm dioghaltais an Tighearna a nis. Dhùisg e naimhdean di o ’n àird an ear a dhìoladh di luidheachd a h-eusontais. Bha a h-uachdarain, a daoine, agus a sluagh ann an co-bhoinn ris a’ Phàp, cruth faicsinneach cumhachd an dorchadais air thalamh; agus am pearsa Impire Napolean an Treas ’s a’ bhliadhna 1870 choimhlionadh ann an seadh iomlanachd aingidheachd nam Frangach, Agus ged nach do chuir Dia teine agus pronnasc thuca o nèamh cia lìon fras sgriosail uamhasach a thàinig ’na spùt dhealain do-chosgaidh o chuilbheirean teinnteach nan Gearmailteach? Cia lìon raon a chaidh a losgadh agus a dhubhadh leis an t-srean-chorr bhreitheanais ud á ifrinn? Cia lìon mile a thug an sguabadh ud do bholg na siorruidheachd a mach á dian theas an àir mhòir? Mar sud air do chupan aingidheachd na Frainge a bhi làn, chuir e thairis am breitheanas, agus chaidh grian a mòrchuis fodha ann an cuan fola—an cuan feirge Iehòbhah! [TD 159] BREATUNN. A thaobh ar rìoghachd féin bha thuige so Sgiath dìona an Tighearna mu ’n cuhirt oirnn—Sgiath solus, tròcair, agus fàbhar a ghnùise, ’n uair a leig e a steach do chridhe ar cinnich soillse beathail agus glòrmhor an Ath-leasachaidh, Ach tha an solus so an diugh a’ fàs ni ’s fainne, gu sònruichte ann an Ionada Arda ar rìoghachd; tha mòran a’ snàgairt air an ais a dh’ionnsuidh an sgeith dorchadais shalaich Phàpannachail a thilg goile fìrinn-luaisgte Bhreatuinn a mach o cheann trì cheud bliadhna agus o ’n do thionndaidh e air falbh le gràin. Tha mi-chùram mu dhiadhachd a’ neartachadh ’nar measg; briseadh Sàbaid a’ farsuinneachadh; beairteas a’ sgaoileadh a sgiathan sòghail leis am bheil am bàs spioradail air analachadh agus air a ghur ’n ar measg; teagasgan milleidh neo-thimchioll-gheàirrte is Dia-àicheadh a’ tolladh a steach ann an cridheachan ar bailtean mòra; agus cumhachd nathaireil na Pàpannachd a’ sìneadh a mach le mòr neart a fhreumhan ann an leabhraichean, am paipeirean naidheachd, ann an riaghladh, agus ann an searmonachadh mòrain feadh na rìoghachd. Agus ged a ni Dia moille dh’ ar taobh do bhrìgh ’s nach ’eil ar n-aingidheachd air tighinn gu h-iomlanachd, gidheadh thig là an dìoghaltais, agus cha dean e dàil. Oir a dh’ aindeoin ’s na bheil ’n ar measg do sholus, do eòlas, do theagasg fallan, agus do bheatha na diadhachd ann an cridheachaibh sluagh Dhia, gidheadh tha an là a’ fàs ni ’s neulaiche, agus baideil na h-aingidheachd a’ dùmhlachadh. Tha a’ Phrothastanachd a’ fàs suarach aig ar daoine mòra, ged is i cùl-taice ar rìoghachd:— “O Bhreatuinn! ’s dùgh dhuit cumha bròin; Thig cionta, fòirneart, is aincheart ort; Eugaidh tu ’n tuil fhola ’s dheur Air son t’eucoir do d’ CHUL-TAICE!” O gu ’n dòirteadh an Tighearna oirnn spiorad ùrnuigh agus ath-leasachaidh troimh fhad agus troimh leud na tìre! RAINN AIR DEALACHADH NAN OILEANACH GAIDHEALACH ’SAN EARRACH. Am Màrt. 27, 1874. Togar fonn nach bi mall, Togar fonn feadh an Talla A bheir dearbhadh do na Goill Nach do chaill ar cainnt a blas duinn. SEIS: Togar fonn nach bi fann Air an dream tha dol dhachaidh Dh’ ionnsuidh àros nan sonn Feadh nan gleann is nan glacag. Choinnich sinn le chéil’ as ùr Ann am bannaibh mùirn nach lagaich; Bheir ar comunn cridheil caoin Neart do ghaol ar dùthch nach lasaich. [TD 160] Bidh sinn cuimhneach air an fhraoch, Air na glinn ’s na raointibh farsuinn; Air na h-uillt a’ ruith ’nan deann O na beanntaibh gu cladach. Far an cluinnear geum nam bò, ’S guth an smeòraich ’sa’ mhaduinn; Far an d’ fhàg sinn cead a’ ghràidh Bhios gu bràth leinn ’n ar n-aire. Soraidh slàn leis na seòid * Nach bi còmhla ruinn tuille; Bidh an cuimhn’ cùbhraidh beò Aig a’ chòmhlan tha fuireach. Air a’ bhàirlinn a fhuair Bidh sibh cruaidh anns an iomairt; Anns an strì bheir sibh buaidh Mar is dual do bhur cinneach. Bidh sibh dian, gnàth nam Fiann, ’Nuair a thriallas gu cath sibh; Cur gu làr le bhur n-àr Gach àit’ àrd is tùr meallaidh. SEORSAN FEAMAINN. Fhuair sinn o Mhr. MacLeòid, ceisteir Sgìre nan Loch an Leòdhais, na h-ainmean a th’aca ’san eilein sin air gach seòrsa eug-samhuil feamainn. Bidh sinn ro thoilichte sreang do na h-ainmean a th’aca ann an cearnaidhean eile fhaotainn air an aon chuspair. Cha’n ’eil sinn idir cho fiosrach air farsuinneachd ar cànain agus a bu chòir duinn, agus mar dh’fhaodamaid, na’n cruinnicheamaid na focail lìonmhor a tha air iomrall am measg nan eilean agus na mòrthir, nach d’fhuair riamh fathast dachaidh thaimh ’n ar foclairean. FEAMAINN, „ chìrein, A’ Ghropach, fem. FEAMAINN Bhuilgeach, fem. „ Aon-chasach, no Dhearg, fem. Langator, no Langatal, mas. „ (ri fhaotainn air cladach fiadhaich.) Liaghag, fem., no Bàrr-staimh. Duileasg, mas. Bileagach, fem. (air oitrichean.) An ìneach, fem. Crios-an-duine-mhairbh, mas. Mircein, no muirilein, mas. * Am measg nan Oileanach a bha a’ dealachadh gu buileach ris a’ Chomunn bha Mr Ruairi Mac Leòid, a mhuinntir nan Loch an Leòdhais, a dh’ fhàg ann an Smùidich a dhol gu Canada là no dhà an déigh sud. Ach mar is duilich ri ìnnseadh cha chualas sgeul riamh air an t-soitheach no air neach do na bh’ innte. Bha Mr Mac Leòid fo mheas mòr aig na h-uile a fhuair eòlas air, air son treibhdhireas an aideachaidh a thog e cho òg le leithid do dhùrachd. [TD 161] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 11.] Nobhember, 1874. [LEABH. II. GUTH A LAPLAND. [Dealbh] ’S e Lapland tìr an t-sneachda agus nan leac-eighe, fearann an liath-reoidhe agus an dall-cheò. Cò ach Lapach féin a sheasas ri fuachd na dùthcha agus a ghiùlaineas le a duibhre agus le a dorchadas minic? Tha na Lapaich bhochda roinn mhòr do ’n bhliadhna gun aona chuid blàthas no solus na gréine. Fad na h-ùine nach ’eil a’ ghrian a’ dealradh orra, cha ’n ’eil do sholus iùil aca ’s an speur ach dèarrsaidhean boillsgeach nam fear-clis. Tha na Lapaich féin cho leumnach luaimneach ’nan gluasad ’s a tha na fir-chlisnich ’nan dannsa air gorm-raon an adhair. Ach ged dhiùlt FREASDAL GLIC do ’n Lapach car tacuin do ’n bhliadhna soillse an t-Soluis a ’s mò—a’ ghrian, gidheadh a dh’ aindeoin so uile, tha e bòsdal á garbh-chrìochan a dhùthchais, an dùil gur h-i tìr a bhreith, fonn an àigh—Pàrras na maise agus an t-sonais. [TD 161] AM FIADH LAPACH. ’S e ’n seòrsa féidh so oighreachd an Lapaich. The e aige ’na each, ’na mhaoin, ’na cheann-aodach, ’na chaiseart, ’na eudach, na bhiadh, ’na dheoch, ’na aran, agus ’n a chòmhdach oidhche. ’S e ’m fiadh ’na h-uile ni ’s a’ bheatha so do theaghlach Lapach. Tha comharra air leth aig gach fear air a chuid fhiadh féin. Agus air na feadhain diubh a bhitheas ’g an giùlan o àite gu h-àite tha ainmean aca. Cha ’n urrainn a’ ghné fhiadh so a bhi beò gun sneachd, agus cha mhò a dh’ fhuiricheas iad ’s an aon àite ni ’s fhaide na dà là, no air a chuid a ’s fhaide dà sheachdain. Cha ’n ith iad dad ach na thionalas iad, agus ma bheanas làmh an sealbhadairean ris, cha téid mìr dheth ’nan goile. Agus o ’n ’s i obair nan Lapach a bhi a’ buachailleachd nam fiadh, cha ’n ’eil ionad d’ an toir na féidh an cas, beinn no srath, nach feum iadsan am pàilliun, an airneis, agus an teaghlach a thoirt leò, agus an leantuinn, chum am faire agus an dìon o ’n mhath-ghamhuinn agus o ’n mhadadh-alluidh a tha ro lìonmhor ’s an tìr. An dorchadas na h-oidhche aithnichidh an Lapach na béisdean so a’ tighinn faisg air a threud, oir chi e ’n sùilean a’ dealradh ’nan ceann gu leum air an fhiadh a los a sguabadh air falbh mar chreich. Tha na nithean so uile air an cur còmhla a’ cumhail an Lapaich agus na bhuineas dha ann am mòr chunnart. Tha aig gach teaghlach o àireamh fhicheadan gu mìltean fiadh. Tha na h-adhaircean a tha na féidh fhirionn a’ tilgeil gach bliadhna air an reic air son beagan airgid. NA LAPAICH. Tha iad ’nan sluagh fìor ìseal am pearsa—’nan daoine beaga cuimeir, fallan, cruadalach. Ged tha ’n sròn car còmhnard agus an eudanna cruinn, tha iad mar a ’s trice ciùin sìobhalta ’nan ìomhachd. Tha iad uasal stuama ’nan giùlan làn blàthais agus caoimhneis d’ a chéile. A thaobh na beatha gluasadaich anshocraich a th’ aca o ’n òige tha iad ’nam fìor sheann daoine aig tri fichead. Le so tha iad a’ dol an ceann tigheadais glé òg. Tha iad thar tomhais caoimhneil ris na sean-daoine; oir cha ’n ’eil iad ’g an reubadh leò o àite gu h-àite, ach a’ ceadachadh doibh fuireachd an aon àite agus a’ toirt fainear gu ’m feum aon do ’n òigridh tàmh leotha gu frithealadh doibh ’nan seann aois. Tha ’n caoimhneas nàdurra so ’g a nochdadh féin annta eadhon ann am marbhadh nam fiadh, oir a ’s maith leò gu ’m marbh iad iad le aon bhuille beag a thoirt doibh an cùl a’ mhuineil. Tha iad riaraichte le ’n crannchur, taingeil gu ’m bheil an sneachd aca gu cadal air. Cha dheanamh iad ach gàire fanaid ort na ’n tairgeadh tu uaireadair doibh. Ann an cùisibh na beatha so tha iad tapaidh geur-chuiseach, cridheil ’nan dòigh, ro dhéidheil air ceòl. Tha spiorad bàrdachd làidir ’nam measg; oir tha aon òran àraid aig gach neach dha féin. Do bhrìgh a’ chaithe-beatha th’ aca tha mòran diubh gun sgoil, gun eòlas tur aineolach air fìrinnean an t-Soisgeil. Tha e ’na mhòr thoileachas a bhi a’ cluinntinn gu ’m bheil o cheann treis a nis oidhirp ionmholta air a cois ’nam measg. Tha sluagh aig Criosd ’nam measg, agus tha iad so a’ strì ri ESAN a mholadh d’ an co-pheacaich. Mar dhearbhadh air so tha nis còrr is deich bliadhna o ’n choisich ban-Lapach [TD 163] Maria Magdalena Matsdoter ’na h-aonar tri cheud mìle, á Lapland gu Stochom, Ceanna-bhaile rìoghachd na Suain gu co-labhairt a bhi aice ris an rìgh agus r’ a thighearnan dh’ fheuch an cuidicheadh iad meadhona gràis agus eòlais a chur air an cois am measg a luchd-dùthcha. Shoirbhich Dia leatha gu mòr agus shruth torraidhean aimsireil agus spioradail o a saothair. ’Na suidhe a’ faire nam fiadh am fuar dhorchadas ’nan oidhchean geamhraidh bha anam Mharia làn do sholus glòire Chriosda agus b’ i ùrnuigh a cridhe gu ’n soillsicheadh Dia inntinn a co-pheathraichean agus a co-bhràithrean agus gu’ n saoradh e iad o bheum an fhir le ’m b’ àill an slugadh, a tha dol mu ’n cuairt mar leòmhann beuchdach a’ sireadh cò dh’ fheudas e a shlugadh suas. Dh’ éisd Dia r’ a h-ùrnuigh. Fhuair i miann a cridhe— “Miann nan daoin’ umhal chual tu Dhé; An cridhe ni thu gleust; Is bheir thu air do chluais gu beachd An gearan-san gu ’n éisd.” Aig a’ cheart àm so bha ban-Lapach eile Sarah Albertìna Monsdoller ’s an t-Suain an oil-thigh nan lighichean a’ fòghlum a bhi ’na mnaoi-ghlùin. Tha sinn a’ creidsinn gu ’n robh i cosmhuil ri mnaibh glùine nan Eabhruidheach o shean, Siphrah agus Puah air an robh eagal Dé. Phill Sarah agus Maria dhachaidh an àm iomchuidh gu Lapland, agus tha sinn an dòchas gu ’m bheil iad ’nam màthraichean mhòran chinneach cosmhuil r’ an co-ainmean Sgiobturail Sarah agus Muir. I. S. M. N. LITIR. A DHEASAICHE Rùnaich,—Anns an t-seachdamh pàirt do Bhrataich na bliadhna so tha litir o bhàrd Comunn Oiseineach Glaschu mu dhéibhinn freumh no ceud bhrìgh nam facal “I-freòin,” agus “I-ona.” Air dhomh a sgrùdadh o cheann gu ceann cho do thug mi fathast ciod an t-eilein a tha e ciallachadh ann an “I-freòin” “I-bhròin,” “I-bhraoin,” is “Eileinan-uisge,” Cha’n aithne dhomh e am measg eileine an Innse-Gall. Fo ’n dara puinnc tha e ’g ràdh “gu bheil I-shonna agus I-bhróin a’ cur soluis air a chéile.” Ma tha cha léir dhomh e; agus bhithinn glé theagmhach, ged a b’ urrainn dhomh barail cheart a thoirt mu m’ aonta a chur ris na beachdan sin gus an cuir am bàrd tuilleadh soluis air a’ phuinnc so. A rìs tha e ag ràdh, “Is e sonna agus sonn ceud bhrìgh an fhacail I-ona.” Do réir sin ’s e I-sonna-sonn a bhiodh ann. An cuala duine riamh a leithid do fhreumhachadh? Gu dearbh cha ’n ’eil e airidh air ùghdar an “Eich Iarruinn;” ach theagamh gu faigh sinn cothrom cluinntinn ni ’s soilleire uaithe fathast. Is mise, Le mòr urram, TORR-A’-CHIP. An Damhair, 1874. [TD 164] MEALLTAIREACHD BEAIRTEIS. THA mealladh aimsireil agus milleadh spioradail ann am beairteas do dhaoine aig nach ’eil gràs saoibhreachd na sithe. Chithear so gu soilleir ann an eachdraidh sheana Mhr. Moiristean a cheannaich Ile. Tha mi an dùil gur h-e fìor Ghàidheal a bh’ ann am Mr Moiristean agus gu’n robh e an dlùth chàirdeas do Mhoiristeanaich Sgìre Bharabhais an Leòdhais. Ach cò-dhiù fhuair e sglaim mhòr do thòic na beatha so. ’S ann am Baile Lunnainn a rinn e an stòras. ’S i an obair a bh’ aige ’na bhalach òg an tùs a latha a bhi le feun bhig a’ giùlan eallaich o shràid gu sràid agus o bhùth gu bùth. ’S an dreuchd ìseil, charraideich so shoirbhich leis cho mòr gus am b’ fhiach e ma dheireadh ceitheir muillean punnd Sasunnach. Ged bheathaicheadh riadh airgid Mhr Moiristean mìle teaghlach air an cumail mar dhaoin’-uaisle, cha robh e ’g a fhaicinn féin agus a theaghlaich, ach ni ’s bochdainne na an teaghlach a’ s bochdainne crannchur ’n ar measgne. Bha e dol a’ h-uile seachdainn gus an ionmhas-fhear aige féin, gu fichead tastan tuarasdail fhaotainn uaithe gus a theaghlach a chumail. Thàinig cùram a chuid airgid gu bhi ’na eallach móran ni bu truime agus ni bu seirbhe dha na na h-uallaich throma a b’ àbhuist dha ’na óige a bhi a’ slaodadh o àite gu h-àite. Ged nach mór a bha cho beairteach ris an duine so, cha robh ann ’na bheachd féin ach dèirceach, bochd, falamh cha ’n ’eil am beairteis mar a ta e ann féin toileachas inntinn no sonas do chreutair neo-bhàsmhor dealaichte o e bhi ’na oighre air Dia agus ’na cho-oighre maille ri Iosa Criosda. Oir tha ’n Fhìrinn ag ràdh, gu’n tuit an dream le’n àill bhi beairteach ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh anamiann amaideach agus ciùrrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios; agus gu’n triomh-lot siad iad féin le iomadh cràdh. Tha uile sheirbhisich Mhamoin;— “Gun suaimhneas fós ’g am buaireadh féin, an dìomhanas gun tairbh’: A’ torradh nithe, ’s cur ri chéil’ mór bheartais air gach dòigh, Gun fhios có ’n t-oighre chruinnicheas, no mhealas iad fadheòidh.” E. M. L. AITHREACHAS. NIS, air dha bhi air a ràdh mu’n bhàs gu’m bheil cosan ollainn aige, air dòigh ’s nach urrainn neach sam bith a chluinntinn an uair a thig e, agus gu’n tig e gu grad, nach bu mhaith air do shon-sa ma ta a bhi ’g ullachadh ann an tràth air son a bhi bàsachadh gach latha, chum ’s an uair a thig am bàs nach ruig thu a leas eagal a bhi ort roimhe, air dhuit do shìth a dheanamh cinnteach ri Dia; ach mur luidh thu síos ann an sìth, agus dearbhachd na trocair air a sgrìobhadh ’sa’ choguis, agus air a sheuladh le Spiorad Dhé, O! an sin is uamhasach a bhios d’aiseiridh anns an la mhòr sin, ’s bronach a bhitheas coinneachadh t’anam agus do [TD 165] chuirp r’a chéile, an uair a bhios iad a rìs air an aonadh cuideachd; oir caillidh a’ ghrian a solus, agus cha dealraich i ort gu siorruidh tuilleadh; ruithidh nèamh agus talamh cuideachd, agus reubaidh an creagan, agus leumaidh na beanntaichean cuideachd, agus beucaidh an fhairge, agus leaghaidh na dùilean, bithidh na nèamha air am filleadh air a chéile mar scroll leabhair, agus bithidh an talamh air a losgadh suas le teine; bithidh am breitheamh eagalach dhuit, oir cha’n e a mhàin gu’n tabhair e breith ort air son an uilc a rinn thu, ach mar an ceudna air son a mhaith a dh’ fhàg thu gun deanamh; is eagalach a bhios do chunntais anns an là sin, cha bhi leisgeil sam bith air a ghabhail an sin, cha bhi fear-tagraidh agad gu labhairt air do shon, cha bhi cùis air a thogail gu breitheamh na’s mò, agus bithidh tu air do cho-éigneachadh gus a’ bhinn sin a chluinntinn, nach bi gu síorruidh air a gairm air a h-ris a rìs. “Imichibh uam sibhse a luchd deanaimh na h-aingidheachd, a dh’ionnsuidh teine shiorruidh na h-ifrinn, far am bi thu do ghnàth a’ basachadh, gun am bàs fhaotainn gu siorruidh; do phian a ghnàth a’ toiseachadh, gun chrioch a bhi air gu siorruidh.” Air an aobhar sin, mo bhràithre, deanaibh aithreachas ann an àm, agus deanaibh greim air fuil Chriosd agus ni se bhur tearnadh. Gu’n oibricheadh Dia e ann bhur cridheachan uile air sgàth Chriosd: Dha-san, maille ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile urram, moladh, agus glòir, o so mach agus gu siorruidh. Amen. C. C. AM BUIN EAGAL DO BHEATHA A’ CHREIDEIMH? Is e Dia a mhàin d’am buin a’ cheist fhuasgladh am beil no nach ’eil àit aig eagal am beatha a’ chreideimh. An tì ma ta aig am bheil cluas a chum éisdeachd éisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h-eaglaisean air a’ phuinnc so ann a leithide so do bhriathraibh so thuigsinn agus neo-mhearachdach: “Làn-oibrichibh bhur slàinte féin le h-eagal agus ball-chrith.”—Phillip. ii. 12; “’Na bi àrd-inntinneach ach fo eagal.”—Rom xi. 20; “Deanaibh seirbhis do’n Tighearna le h-eagal agus deanaibh gàirdeachas le ball-chrith.”—Salm. ii. 11; “Uime sin biodh faiteachas (no eagal) oirnn air eagal air bhi do ghealladh dol a steach d’a shuaimhneas air fhàgail againn gu’n tigeadh aon neach agaibh a dhéigh làimh air.”—Eabh. iv. 1; agus mar sin ann an iomadh earrainn eile nach ’eil ùine agam ainmeachadh an dràsd. A nis is i cheist so, ciod e an dearbh nàdur no an dearbh sheòrsa eagail a ta Dia ag àithneadh dhuinn ’na leithide so do sgriobturaibh? 1. ’Sa’ cheud àite cha’n e so an t-eagal a ta ag éiridh o bheachd-smuaineachadh air na caochladh chruaidh-chàsan agus shàruichean aon chuid o’n leth a mach a dh’ fhaodas luidhe anns an rathad airsan a tha ’g iarraidh a bhi tabhairt ùmhlachd do dh’ aitheantan Dhé. Is e so eagal an leisgein a ta air a ghlacadh agus air a lagachadh le trioblaidean; agus a ta ag ràdh tha “leòmhan a muigh; anns na sràidibh marbhar mi.”—Gnáth. xxii. 13. Is ann a ta an t-eagal so a’ lag-mhisneachadh agus mar gu’m b’ eadh ag gearradh altan dìchill a’ chreutair an àite a bhi ’g an neartachadh chum a [TD 166] bhi a’ ruith na réise a chuireadh roimhe. An àite Dia a bhi ceangal geallaidh ’s am bith ri leithid sin do shuidheachadh inntinn is ann a ta e cur an céill gu soilleir a thaobh an neach a strìochdas do leithid sin do dh’ eagal gu ’n tig e gu cinnteach geàrr air slàinte anma: “Ach aig an dream sin a ta gealtach agus mi-chreidmheach bidh an cuibhrionn anns an loch a ta dearg lasadh le teine agus pronnasc, ni is e an dara bàs.”—Tais. xxi. 8. 2. Ni mò is e so an t-eagal a ta ’g éiridh o an-earbsa agus o eu-dòchas a thaobh coimhlionaidh geallanna Dhé, no a thaobh ar còir féin annta. Is e ta sinn easbhuidh creideimh agus ni a ta calg-dhìreach an aghaidh a nàduir agus a chleachdaidh. Is e so an t-eagal a sgrios clann Israeil anns an fhàsach agus a dhùin a mach iad o thìr a’ gheallaidh. Air dhoibh tuiteam ann an dìbheil misneich do bhrìgh nan cruadalan a choinnich iad anns an t-slighe cha do chreid iad ann an Dia, agus cha d’ earb iad ’n a shlàinte. Chuir iad crìoch roimh Thì naomh Israeil; agus cho-dhùin iad calg-dhìreach an aghaidh fhocail agus a fhreasdail, gu ’n do ghabh e os làimh tuilleadh agus a b’ urrainn e a choimhlionadh dh’ an taobh. Dhùisg an eagal a’ cheist ’nan cridhe “an urrainn e bòrd a dheasachadh ’san fhàsach;” agus thubhairt iad “tha an sluagh tuilleadh agus làidir air ar son;” agus air dhoibh a bhi mar so air an glacadh le eu-dòchas agus gearan dh’ iarr iad dol air an ais do ’n Eiphit. Ach cha ’n’ eil an stéidh no an t-aobhar a ’s lugha gu ’n tugadh peacach bochd ’s am bith àite do leithid so do eagal do bhrìgh gu’m bheil esan dìleas a thug an gealladh; neach mar an ceudna a ni e; agus tha sinn gu sònruichte gu bhi air ar faicill roimh an eagal so, agus gu bhi làn-chinnteach ’n ar n-inntinn féin gur comasach Dia air sin a gheall e a làn-choimhlionadh. Ciod air bith cho deachdair no eadhon cho eu-comasach agus a dh’ fheudas e sealltuinn ’n ar sùilibh-ne gu’m biodh creutairean cho ciontach sgriosta agus truagh ruinne air an tabhairt a chum glòir gidheadh ma ghabh Dia os làimh a leithid sin do ghnothuch, cò a chuireadh dris no draighionn anns an t-slighe roimhe-san ann a bhi ’g a thoirt gu crìch. 3. Is e an t-eagal a tha Dia ag àithneadh dhuinn agus a’ sparradh oirnn eagal caithris, cùraim, agus dìchill ann a bhi gnàthachadh gach uile mheadhon a dh’ òrduich e ’na fhocal chum a bhi ruigheachd air a’ bheannachd sin a chuireadh roimh chreideamh a shluaigh anns an t-soisgeul. Is eagal e a ta treòireachadh na h-uile anns am beil e gu bhi ’gan ceasnachadh féin anns a’ ghnothuch chudthromach agus shòluimte so;—eagal a ta toirt orra a bhi eudmhor agus amharusach mu’n timchioll féin; agus air an aobhar sin a ta ’gan cur gu fìor rannsachadh am bheil na nach ’eil iadsan am measg oighreachan a’ gheallaidh,—am bheil no nach ’eil iad air an t-slighe cheirt a chum baile taimh agus fois. Tha faireachduinn ghoirt agus chràiteach aca air fìrinn a’ chliù sin a ta Dia toirt air cridhe an duine: “Tha an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e do-leigheas; cò is urrainn a thuigsinn?” Tha e comasach a dh’ aindeoin gach ni a chunnaic no mhothaich iad gu’m faod iad fathast tuiteam ann am buaireadh an Diabhuill, ann an ribe an t-saoghail, agus ann an ana-mianna na feòla; agus fhad ’s a bhios sin mar sin tha e buileach eu-comasach gur h-urrainn fìor phobull Dhé a bhi beò ás eugmhais eagail. Ach tha an t-eagal a tha annta no tha orra furasda gu [TD 167] leòir eadar-dhealachadh o eagal geilt, uamhais, agus teagaimh a thaobh dìlseachd Dhé d’a ghealladh; no thaobh crìch agus duais ùmhlachd neach d’a àitheantan. Mar a ta an dara aon air a thoirmeasg agus air a dhìteadh annainn mar sin a ta an t-aon eile anns gach àite do ’n fhìrinn air a mholadh dhuinn agus air a sparradh oirnn leis gach argumaid is drùidiche agus is treise na chéile. A thuìlleadh air na fìrinnean a thug sinn seachad mar tha air a’ phuinnc so tha Peadar a’ dian earalachadh phobuill Dhé ’na linn cho math agus anns gach linn o sin ’na leithide so do bhriathraibh: “Feuch gu’n caith sibh aimsir bhur cuairt an so fo eagal.” Agus a ta Solamh ag ràdh is beannaichte esan air am bheil eagal an còmhnuidh, is e sin, is beannaichte esan a ta ’g àrach a leithid so do dh’ eagal, faicill, caithris, agus cùram spioradail. Ach mu’n t-seòrsa eile eagail tha e air a ràdh, “Cha d’ thug Dia dhuinne spiorad na daorsa rìs chum eagail; ach thug e dhuinn spiorad na h-uchd-mhachdachd tre an glaoidh sinn, Abba, Athair.” Anns an ath àireamh tha rùn orm a bhi ’g ainmeachadh cuid do na h-aobharan sin a ta ’ga dheanadh feumail gu’m biodh clann a’ chreideimh a’ sìor altrum a leithid so do dh’ eagal. EACHUNN CAMARON. AN SOISGEUL. Fhuair iad gealladh ’san uair ud air fuasgladh o’n dìteadh; Le duine shliochd Eubha bheireadh réit’ agus sìth dhoibh: Fhuair iad gealladh ro aoibhneach air oighreachd bu ghlòrmhor, A bha ac’ ann an Eden a thréig iad le ’n gòraich. SEIS:— Gur h-e Soisgeul na sìth ’n Sgeula binn tha ro ghlòrmhor Gur h-e Soisgeul na sìth ’n Sgeula binn tha ro ghlòrmhor, ’Se thug misneachd do dh’ inntinn ar sìnnsre ’s a’ ghàradh, ’Nuair a chaill iad an oighreachd leis an fhoill a bha Sàtan. Gur h-e ’n Soisgeul an Sgeul a thug éibhneas do mhòran; Is e thug air na h-ainglean a bhi seinn a’ toirt glòir’ dha:— Toirt glòir’ do ’n Rìgh Shìorruidh a rinn sìth ri cloinn daoine; Sud a b’ òran do ’n t-Seraph, deanadh sgéil air le h-aoibhneas. Thàinig bliadhna na saorsa gu daoine bha brònach;— Tha ’n trompaid ’ga séideadh tabhairt sgéil dhoibh air tròcair: Fhuair na buachaillean sealladh ann am faire na h-oidhche; Dhealruich solus mu’n cuairt orr’ a chuir uamhunn is oillt orr’. Fhuair iad sgeula ro thaitneach o na teachdairean glòrmhor, A chuir aoibhneas ’nan cridhe, ’s a thug misneachd is treòir dhoibh; Fhuair iad sgeula ro aoibhneach gu braighdean bha brònach,— Gu ’n do rugadh ’san stàpull, AN SLANUIGHEAR GLÒRMHOR! ALASTAIR MAC-NEILL. [TD 168] AN OIGHREACHD. An uair a pheacaich Adhamh, ’Sa dh’ ith e meas a’ ghàraidh Thoill e fearg an Ard-Righ Gu bràth bhi gabhail tàimh oirnn. SEIS: An oighreachd a tha maireannach Gu h-àrda anns na flaitheanais Tha dòigh ann anns am faighear i Le geallanna ro ghràsmhor. Dh’ ullaich Dia ’na thròcair Saorsa dhuinn o’n dòruinn; ’S le geallanna ro ghlòrmhor Gu’n d’thug e còir a dh’ Adh’mh oirr’. Thug E gealladh cinnteach Dha gu’n tigeadh Iosa, A bheireadh suas an ìobairt ’Sam faigh sinn sìth is slàinte. ’Se buachaillean an treuda Bha ’m faiche Bheteléim A fhuair an naigheachd éibhinn Gu’n robh MAC DHE ’san fhàsach. Dh’ìnnseadh dhoibh le fìrinn Gu’n d’thàinig E gu h-ìseal; ’S gu’n robh an Leanabh Iosa ’Na shìneadh anns an stàpull. ’Se’n t-iongantas ro mhòr e, Gu’n tigeadh Rìgh na Glòire A dh’ ionnsuidh staid cho brònach A dhol air tòir nan tràillean. Is e A ghaol nach caochail A rinn A chridhe aomadh ’Nuair thàinig e do ’n t-saoghal A’r saoradh o gach nàmhaid. Is thàinig e gu deònach Is rinn e fhuil a dhòirteadh; Is fhuair e saorsa ghlòrmhor Do’n dream gheibh còir tre ghràs air. Is chaidh an fhearg a thaomadh Air leis an Athair naomha; Is ann an sin a ghlaodh e, “An saor thu mi o’n bhàs so!” Ged thug am bàs do’n uaigh e, Cha’n fhaca esan truaill’eachd; Dh’éirich e gu buadhach Is chaidh e suas gu Pàrras. ALASTAIR MAC-NEILL. [TD 169] IAIN RUADH ’NA SHEANN AOIS. BHA IAIN ’na dhuine làidir treun fearail; cha robh a’ bheag ’na latha a bheireadh ceum no bhuaileadh beum cosmhuil ris. Chleachd se e-féin uile làithean a bheatha eadar ceàirrd na figheadaireachd agus tuathanachas. ’Nuair a bha e luath làidir b’ann annta so agus a bhi mu ’n chrodh a bha a thlachd; agus gu dearbh féin ’nuair a bha e’ na shéis cha mhòr a chuireadh ris ann an cruaidhead gutha, an tréine gàirdein, agus an luaithe ceuma. Maille riu sud bha sealbh aige air gloine neo-eiseimealachd gne nach fhaighear ann am mòran. Mu mheadhon aois thainig buaidh na fìrinn gu tuigse a’ Ghàidheil smiorail. Cha robh mòran do bheatha na diadhachd mu’n cuairt; agus bha e ré ùine fhada ann an tomhas do dhorchadas. Ach fa-dheòidh thug se e-féin suas tre ghràs do ’n Tighearn Iosa;—thug e suas mar bheò ìobairt buadhan anma agus buill a chuirp—feartan a bheatha gu h-iomlan—dha-san d’am buin gach ni. Cò chuireadh an teagamh cumhachd saor-ghràs ’nuair a thug e Iain Ruadh fo chìs? ’Nuair a bha e aosmhor liath thug e mach mòr mheas. Chliùthaich e am measg a chompanach an t-Ainm Glòrmhor air an d’ainmeacihadh e. Cha robh mòran do sholus na diadhachd anns a’ cheàrnaidh anns do chaith e a là. Ach cha robh eiseimpleir-san agus a ghluasad cubhaidh gun tairbhe am measg a cho-chreutairean. ’Na sheann aois gheibh sinn e riaraichte toilichte leis gach ni mu’n cuairt, a’ feitheamh ann an dòchas maith aig cois na h-amhainn Iòrdain, gus an aisigear e null do ’n Chanaan nèamhaidh. Ann an làithean a sheann aois, ràinig e deich is ceithir fichead, rinn e rainn bhàrdachd is laoidhean air na fìrinnean ud a b’e bunchar a dhòchais. S fhad o’n leig e dheth figheadh na beairt mhaide; ’s a tha e nis taobh an teallaich ’ga chleachdadh air beairt na h-inntinn. Air na laoidhean a rinn e cha d’fhuair mi greim; ach na rainn a leanas air cuspairean glé choitcheann bheir dealbh iomadh dachaidh f’ar comhair. AM BOCSA SNAOSAINN. Tha mo bhocsa gun snaosainn ’S beag an t-ioghnadh mi labhairt; ’S cha toir Catie dhomh gràinein A chosnadh gràidh no gean-maith dhith. DO’N CHU. Tha Tomie Beag leam daonnan ’S e saothrachail gu leòir; Bidh sinn a’ falbh ’s gach àite A’ fàilneachadh chion treòir. DO’N CHAOT. Tha mise ’s an Caot Bàn Do ghnàth chois an teallaich; Cha dean sinn obair le spàid Cha’n’eil sinn làidir no fallan. DO LUCHD-TAOGHAIL. Mar a bha rud agam Thigeadh iad a m’amharc [TD 170] ’S dh’ fhanadh iad r’an tì; Ach o’n tha mi falamh Cha tig iad a m’ rathad ’S cha’n fharraidear leò mi. DO’N BHIADH. An déigh a’ bhrochain mhadainne Neo-shùnndach bidh mo cheuman; Cha dhìrich mi na mullaichean; Cha shiubhail mi na sléibhtean. Bha e ’ga chleachdadh féin ann am figheadh bárdachd aig aois anns an saoileadh neach gu’n robh a cheud-fath gu h-iomlan air falbh. ’S ann eadar ceithir fichead is ceithir fichead ’s a deich a rinn e na rainn a chuir mi fa chomhair an leughadair. An gràdh bàrdachd a bh’ann an Iain Ruadh dh’fhoillsicheadh ’n a mhac ’na dhéigh:—ni a dhearbhas an laoidh a leanas air an d’fhuair mi greim o a mhac:— Tha mi triall, tha mi triall, tha mi triall a dhol dachaidh; Dh’ ionnsuidh sìorr’achd gun chrìch, ’s beatha shìorruidh a chaitheamh. Ach mo dhòchas tha an Ios’ nach biom air mo dhìteadh fathast; Gu’n toir e mi steach fa-dheòidh d’a àros glòrmhor ’s na flaitheas. O’n bhris sinn an cùmhnant gnìomh chaill sinn gach sìth a bha againn; Thionndaidh ar n-aoibhneas gu bròn, ’s dh’fhalbh gach sòlas a mheal sinn. Cliù do ainm an Tighearn Ios’ gu bheil ghealladh cinnteach fathast; Ma chuireas sin ar dòchas ann ’s cumail teann ris a’ ghealladh. An spiorad ceudna ràinig air an ogha a thogadh, mar a ta e féin ag ìnnseadh, aig glùn a sheanar, Iain Ruadh. Mar so shaoileadh neach gu’m bheil a’ bhàrdachd mar an fhuil, a’ ruith anns na doaine. Fhuair mi greim o’n ogha air Duanan Beurla a sgrìobh e aig uaigh a sheanar Oct. 27, 1868:— Into that narrow house where many friends, Wife, mother, sister, sire sleep in the dust Calmly till judgment’s life-restoring gust, Thy aged, time-worn frame, O sire, descends! Though my sad eye in silent sorrow bends Over the new-laid turf my sighs are hushed; For there, I fear, among impure relations, must Thy precious bones repose, till Jesus rends The infinite blue curtain of the sky To call his fellow-heirs forth from the tomb, To be partakers in perfection high Of His great glory; though no rays illume Thy darksome den, Christ erst did purify, And fragrant made for thee the grave’s deep gloom! Buail’-an-Dùin. D. MAC-MHUIRICH. [TD 171] FAS AINGIDHEACHD. II. DÒIGHEAN ANNS AM BHEIL AINGIDHEACHD A’TIGHINN GU H-IOMLANACHD. (1.) Thugam fainear an toiseach gu’m bheil feart ann a bheir searg air aingidheachd—air a fàs ann an anam an duine. Is e am feart so freumh na naomhachd ’san anam. Aon uair agus gu ’m bheil freumh na diadhachd a’ greimeachadh ’san anam tha an strì ris am feudar an Cogadh Naomh a ràdh a’ tòiseachadh air ball: “An creideamh tha fallain gheibh e carraid ri dheanamh; O’n uair thàinig an solus rinn am folach a reubadh. O thàinig beò ann ’nan caramh chaidh ’n cuid bharailean siar orr’, ’San eacoir ’nan sealladh, ’gan tolladh ’s’gan riachadh; Gach ceum ann ’nan coiseachd ro loisgeach ’san tiom so, ’Gan ciùrradh gun fhios ac’, ’san t-eas-creideamh ’gam pianadh.” ’Se nàdur gnè naomhachd a phlanntaichear tre ghràs ann an anam an duine a bhi cur ás do aingidheachd; agus air do fhreumh a ghràis so àit’ fhaotainn ann am buadhan inntinn an duine, cha téid aingidheachd ni’s mò. (2.) Thugam fainear a rìs, Ma thòisich thusa, anam, air cur an aghaidh cumhachd aingidheachd do chridhe nach ’eil peacadh ag abachadh gu h-iomlanachd a d’thaobhsa. Is e sin gu cleachdail gu’m bheil ùrnuigh agus deòir agad fo oibreachadh gràis a chum gu’m biodh neart a’ pheacaidh air a sgrios annad; agus ’s ann ’sa’ ghleachd spioradail so ri spioradan aingidheachd ann an ionadaibh àrda a tha thu a’ sealbhachadh na tìodhlaic ud air nach ruig an cealgair a chaoidh—cridhe briste agus spiorad brùite—cridhe a chaidh a lot ’sa’ chath, agus spiorad a chaill a neart an aghaidh eu-comasan féin. Seadh, tha am bròn diadhaidh agad air son meud aingidheachd do chridhe is do chleachdaidh, ’n uair a tha thu faicinn toillteanas do pheacaidh air fhoillseachadh ann am fulangais a a’ Chroinn-cheusaidh. Ma ta, ma ràinig thu air an so,—gu’m bheil gràdh saoraidh an Tighearn Iosa a’ lasadh an taobh a stigh dhiot,—gu’m bheil solus a ghnùis ’na cho-chomunn gu sgapadh dorchadas nàduir air ruigheachd ort, an àite i bhi fàs gu h-iomlanachd ’sann a bhios aingidheachd annadsa a’searg gach là. (3) Thugam fainear mar an ceudna mur d’ràinig gràs Dé air t’anam gu’m bheil thu nis eadar chorp is anam ag abachadh gu iomlanachadh peacaidh air aon dòigh no air dòigh eile. “Cha ’n urrainn ’s cha tàrr mi Ged a b’ àill leam a dheanamh Dhol a stigh chum nam pàirtean ’Sam bheil nàdur co gnìomhach; An solus air àirdead Nach leig do ’n àithn’ a bhi riaghladh, Tha e dorch’ mar is feàrr e Anns gach àit’ anns am feuch e.” [TD 172] A thaobh nan dòighean a tha aingidheachd a’ fàs gu h-iomlanachd gabhar staid aoin no dha: 1. Feuch an cealgair! Tha e ’na bhall do ’n eaglais; no tha e eadhon ’na fhear-dreuchd; no tha e anns an dreuchd a’s àirde aig Criosd air talamh; a’ gabhail air an Soisgeul sìorruidh—focal an Dé Bheò—a shearmonachadh ann an ceilg labhrach d’a cho-chreutairean. Tha thu a’ faraid cionnus a tha aingidheach an neach ud a’ fàs? Innseam duit. O’n cheud là a chuir e cleòc a’ chealgair mu ghuaillibh thòisich peacadh gun ghrabadh air tighinn fo bhlàth ’san taobh a stigh. Thoisich gach cùil ’na anam air fàs gu mòr ni bu chùbhraidhe le bréine beatha shalaich an t-Seann Duine; oir a nis tha gach mosaiche air a gleidheadh a stigh; cha’n’eil i faotainn cothrom cluiche anns a’ chleachdamh o’n taobh a mach. Cha’n’eil ùrnuigh chealgach, no searmoin ann an staid na ceilg, troimh an téid e, nach ’eil a chionta fàs. ’Nuair a’s eòlaiche a tha e fàs air focal Dhia ’sann is làine agus is cunnartaiche a tha cupa a cheilg a’ dol: tha cruas a chridhe dol ni’s ailbhinne; caoilead anma ni’s cumhanna; reòiteachd aigne ni’s doimhne; guthan na coguise ni’s fainne; agus focal Dhé air am bheil e cho eòlach a’ call a bhuaidh air ni’s mò. “An seann mheirleach fada liath Cha’n fhac’ thu riamh bheir bàrr air; Oir ghoid e solus leis ’na bheul, ’San solus fìor cha’n àill leis.” “Ni e miodal riut gu suain, Toirt mealladh truagh mar fhàbhair; A’s ann do chràbhadh fada buan, Is e bhi fuair is àill leis.” “B’ ìnnleachdach a bha e riamh, ’S bha aige lìon ’s na h-àlaibh; ’S e cur a dhubhain anns a’ bhiadh Is deis gu miann a thàladh.” “Bithidh e ’g obair air do chùl, Is roimh do ghnùis gun nàir air; ’S ma dh’ aithnich thus’ e ann a rùn Théid esan thaobh gu fàgach.” Is e so féin-fhiosrachadh a’ Chrìosduidh air obair na ceilg; ach esan thig gu tobar a’ ghràis a glanadh air falbh. A d’thaobhsa, O chealgair, ged nach ’eil t’aingidheachd iomlan fathast—ged nach d’rinn claidheamh na Fìrinn do chochull dubh a reubadh, cuimhnich mur tréig thu do chealg gu’m bheil an luidheachd a thig ’na lorg a’ teachd! 2. Feuch an t-Aidiche cùl-sleamhnach! O nach cianail a chor! Tha faireachdainn dhomhain thruagh aige air ciod a bha e aon uair, agus air ciod a tha e nis! Tha mothachadh goirt aige ann an doimhneachdan fiosrachaidh ’anma air neart a’ pheacaidh a rinn glacadh bàis air, ’s e gun chlì ann féin a dh’ fhaotainn saorsa. ’S eòl dha mar a ghràinich e Spiorad Dé, ’s nach géilleadh e d’a strì; a’ [TD 173] peacachadh an aghaidh Dhia, agus sin an làthair a ghnùis ghlòrmhor-san,—ann an solus na h-àithne. Cha d’ fhuirich e ann an Criosd; thòisich e air e féin a shuathadh gu neo-sgàthach ri buairidhean agus ri peacadh, a neo-eiseimeil gràs cobhair Chriosd; agus an earbsa ri fhéin-fhoghainteas ghabh e ás air slighe a chùl-sleamhnachaidh. As an t-slighe ud chlisg e do’n doimhne—do dhoimhne staid na fadachd ás o Dhia. Cho fhad ’s nach ruig gràs athbheothachaidh air fanaidh e an sud gun oidheirp air pilleadh gu tigh Athar; fanaidh e an sud a’ dol fodha agus a’ fàs ann an eusontas. “Ar sìnnsre o thùs ’N uair chaill iad an lùs Gu’n mhill iad an cùis Air sùsdanan àil; Tha’n truailleadh so lìonmhor, Dh’fàg mis’ anns an fhìonan Mar chraobh a th’ air crìonadh Gun fhìogais, gun bhlàth. Dh’fhàs peacadh ro lìonmhor, Tha dhomhsa ’n a phianadh, Dh’ fhàg mise mi-sgiamhach Am fianuis mo Ghràidh; Ach m’ fheudail an t-Adhamh Nach meallar ’sa’ ghàradh, Chuir cath ris an t-Sàtan ’San fhàsaich mar tha.” Ach saoilidh mi gu bheil thu a’ feòraich, cò leis no c’àit am bheil cùl-shleamhnachadh a’ toiseachadh? Tha fiosrachadh oighreachd Dhé n’a theagasg neomhearachdach ’san Fhocal mu’n chùis so. (a.) Tha cùl-sleamhnachadh a’ freumhachadh ann an as-creideamh—ann an uireasbhuidh beò chleachdadh a’ chreidimh air Crìosd mar Phrionnsa na Beatha. An uair a tha an creideamh a’ dol á cleachdadh tha an t-anam a’ call a ghreim bheò a rinn an tìodhlac ud air Crìosd;—tha an cladhan troimh am bheil beatha agus suspain na naomhachd a tha anns a’ Cheann a’ ruith a’ stad; agus tha mar sin an greim a th’aig a’ pheacach air Criosd air falbh. Ach cha do chaill Criosd a ghreim dhethsan; tha gàirdeanan sìorruidh eadar-ghuidhe mu thimchioll; agus uime sin a’ bhròin ud cha tèid fodha gu buileach. (b) Gu cleachdail tha tùs a’ chùl-sleamhnachaidh ri lorgachadh gu claonadh na h-ùrnuigh uaigneich. An uair a tha anail na h-ùrnuigh uaigneich a’ dol ás is comharradh cinnteach sud air bàs a bhi tighinn air co-chomunn an anma ri Dia; agus is bàs do ’n anam a bhi call a laithreachdsan. O neach cul-shleamhnach! nach ’eil do chridhe air fàs fuar a thaobh Dhé? Nach d’thug reothadh peacadh do chridhe air falbh teas agus dùrachd t’ùrnuigh? Dhichuimhnich thusa Dia anns an uaigneas agus cha chuimhnich esan thusa anns an fhollais. Tha cup aingidheachd do chùl-sleamhnachaidh a’ lìonadh. 3. Feuch am Baoghaltaiche! Gu cleachdail tha ainm aige bhi beò ’nuair a tha e marbh. Frio- [TD 174] thalaidh e tigh Dhé o là gu là; ach thig ’s falbhaidh e gun smuain mu shìorruidheachd, mu bhreitheanas, no mu shlàinte anama! Tha a chion-mothachaidh ni’s cruaidhe na na creagan ailbhinn, agus a bhuidhre fo éisdeachd an t-soisgeil ni’s doimhne na cridhe na talmhainn; oir sgoilt na creagan mòra agus thug an cruthachadh gnùsd ás ’nuair a thug an t-Aon Sìorruidh, an Cruithfhear, Prionnsa na Sìthe, sgal dhòruinneach a’ bhàis ás air a’ chrann-cheusaidh, a’ dìoladh ceartais air son peacadh dhaoine! Ach an Sgeul so cha toir criothnachadh ortsa, a pheacaich mhì-chùramaich! Ma bhuanaicheas tu a’d’ bhaoghaltachd dhuitse tha cup na feirge cinnteach. 4. Feuch Fear-dearmad nam Meadhonan! Tha e mar an asail fhiadhaich ’s na raointibh farsuinn! Thilg e dheth gu follaiseach cuibhreach Rìgh Shioin agus cuing cleachdadh na diadhachd. Cha ghéill e do lagh an Rìgh, no do ùghdarras Neimh. Tha cupa naimhdeas ceannairceach an neach ud air lìonadh. Gu geàrr théid a bhriseadh ’na bhloighdean air cladach sìorruidheachd bròin—crìoch na muinntir eas-umhal. An Ti air nèamh ’na shuidhe ta Ni Esan gàire riù; Is mar chùis-mhagaidh bithidh iad Do Thighearn Ard nan Dùl! 5. Feuch am Misgear! Mar an ceudna fear-na-neòghloine, na h-eas-ionraic, agus luchd-mortaidh an anman féin. Tha iad air an giùlan air falbh le sruth dìlinn a ni fa-dheòidh an slugadh—a thaomas a thachdar aingidheachd am measg tuinn feirge Iehòbhah. Mur spìonar iad mar àithnean ás an losgadh cia geàrr an ùine ’nan imeachd sìos air an talamh gus am bi an aingidheachd aig a h-iomlanachd. ARMAILTEAN NA H-EORPA. Shaoileadh neach o cheann ceithir bliadhna nach biodh cogadh ann ri ùine mhòir; ach air ball bhrist troimh-chéile mach eadar am Frangach agus an Gearmailteach a bha araon a’ meudachadh agus a’ neartachadh armailtean ro mhòr gus an do bhrist iad an claiginn air a chéile. Tha an aon mheudachadh air armailtean na h-Eòrpa a’ dol air aghaidh an dràsd. Am meudachadh so crìochnaichidh ann am fuil mar an ceudna. Gheibhear anns a’ chlàr a leanas meudachadh armailtean nan Stàitean Eòrpach a’s mò ré nan cùig bliadhna deug a chaidh seachad:— [Beurla] [TD 175] [Beurla] Chithear anns a’ chlàr so eile an àireamh shaighdearan air son cogaidh a tha air an toirt às gach muillean sluaigh anns na rìoghachdan agus anns na stàitean a leanas:— [Beurla] Do bhrìgh nach ’eil armailt sheasmhach idir ann an Seruia no ann an Suitserland, ach a mhàin militia, feudar a thoirt fainear nach robh àite ’s am bith a bu choitcheanna a bha daoine air an éigneachadh gu bi ’n an saighdearan na Ghearmailt. Tha barrachd do mhilitia ’s a’ Ghearmailt na ged bhitheadh uile shaighdearan na Frainge, Austria, agus na h-Eadailt air an cur comhla.—Times. [TD 176] FAOSID EOIN SEVART TIGHEARN NA HAPPEN; INA MEADARDHACHD. II.—1631. A.D. 1. ME a faoside mo lochd. A Rì neimh le dúracht, Agas le toileach teann om chriodhe. A Rí a nám na haithridhe. 2. Peaccach meise o m’ois óige. Eist ré m’faosid a Thrinoid. As lionmhar re n’áireamh iad. A Rí as nár a romhed. 3. Robheg m’ulaigh don chóir. Fer bunaigh mee sa négcóir. Rinnir gach ní nar dhligheas. Tu Rí neamhdha dfurraigheas. 4. Toile na colla nir chiall damh. Nir choigleas riamh do dheunamh. A riar fein lé do légeas. Srian ri riamh nir dhaingheas. 5. Chathrigheas sàinte fréimh gach vilc. Do chaithe sm’aimsir re tuais cirt. Drúis, agus cráos do thoghas, Dà chúìs re m’aóis do ghnathigheas. 6. Thrégeas haitheanta vile. Thrégeas thordugh, agus t’úrrnuigh. Thrégeas deirbhlein díleas Dé. Seirbhise neamhumhal do cleacht me. 7. Ni bfuil feithm bheth ga n’tuiribh. As trén mé a bpeaccaidhibh. Giodheadh do reir Ri neamhdha. As tréine céam do thrócair. 8. Tangas dar ndión ar dtalmhain A Mhic Rí neimh, agas naomh thalmhain. Dar saoradh le fuil do chneas, San cholann daonna do chuaigheas. 9. Tfuil do thóirteadh ar an geránn. Do dheonaigh thu dar dídionn. A sí an fhuil sin is dión dúinn, A Rí fuair dhúinn thathairsa. 10. Ni cubhvidh a Rì dhuibhse, Don’fhuil vasuil, oirdheirc sin, Aón bhraón anaisge do dhul, Ar son peaccadh shiól Adhuibh. 11. As meise an peaccach aithreach, As tusa an t’athair trócaireach, Ar ghrádh Mhic Dé mar do gheallas. Slánaigh mé gan dioghaltus. 12. An meud ata romham anois, Dom ré a reir a n’eolais, Caitheam ma teagal, agus adghrádh, Agas adchreidimh crábhdha comhghlan. 13. Gurab é aibhneas neamh, fadheoidh, Bheth maille re do naomhaibh a Thrìnoid, Gan leagadh séoil sa tslighìdhe, Go ród Ri, agus ro mé. TEACHD GU CRIOSD. Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh, “Thig làimh rium, thus’ tha fann; Gabh fois is leag air m’ uchd a sìos, Air m’ uchd leag sìos do cheann!” Gu Iosa thàinig mi mar bha, Sgìth, claoidhte, làn do leòn; Is fhuair mi gu’n robh aoibhneas Ann, Is fois nach gann o bhròn. Ead. o BHONA R. [TD 177] BRATACH NA FIRINN. PAIRT 12.] December, 1874. [LEABH. II. [Dealbh] FAMHAIR-GUN-DOCHAS. Tha cheuman ’san doimhne: is iomadh na cnàimh Tha ’m folach ’sa’ ghainneimh gu h-ìseal an sàimh; Dhoirch grian an Deadh Dhòchais do ’n anam bhochd thruagh, Anns an doille ud leum e do ghlacadh nan stuadh. Tha cheuman ’s na beannta; is lìonmhor na cairbh A dh’ fhàg e ’na luirg ann an dìthreabh na mairbh’; ’Nan creich aig an eunlaith, a ’sgar air an fheur, A’ gealach mar shneachda fo shìontan nan speur. Tha cheuman ’s na glaca: a thuineadh an cùil Dh’an tàlaidh e steach thu chur duibhr’ air do shùil; Glacaidh e ’s pronnaidh e ’n sud thu an sàs, ’San uaimhean a chasgairt ni t’fhuileach’ gu bàs. [TD 178] Tha cheuman ’s a’ chòmhnard: is closaich nach gann A’ nochdadh mar dhìobair a’ mhuinntir bha fann; Am misneachd air sùghadh, nior theich iad do ’n t-sliabh; Is thàinig orr’ eugadh fo bhreunachd an giamh. Tha làmh anns gach àite ’san d’ àraicheadh nimh; ’Se fàsgadh a’ chrì am measg shruthannan leamh; A’ teannach’ nam féithean ’s nan cnàmh air a’ chéil’ Gu’m brùchd iad am beatha a mach an eu-céill. Tha làmh air an sgòrnan: mar bhailbhe na h-uaigh Tha bhròin ud tha ’n imfhios bhi sgàineadh le truaigh; Cha ghlaoidhear, cha shìnear an làmh, air son fòir, Oir thatar fo gheimheal an anshocair mhòir. Tha anail na h-Uilbheist a’ luidh’ air na seòid; Is aomaidh iad thairis an laigs’ air an fhòid; Gun rùch annt’ air fhàgail; o ìochdar an cuim Beath’ Dòchais air tràghadh an dòlasachd thruim. An Crìosd tha ar Dòchas: ’s E Carraig nan Al; ’S E ’n Dìdein o ’n doininn; tha Solus ’n A dhàil; ’S E ’n Neart dhuinn ’n ar fainne; ’s E Iocshlaint ar crì; ’S e Ghealladh ar n-òran; ’s e Spiorad ar clì. AN DEASAICHE. AN DUSGADH AN TIRIDHE. THA an cunntas a leanas air a thoirt leis an Urr. Alastair Lee am Port-Ellen a thug sgrìob do Thiridhe ann an October agus a shaothraich car tacuin ’san eilein:— Fad nan cùig seachduinean a chaidh seachad bha dùsgadh mòr agus neo-àbhuisteach anns an eilein so. Bha coinneamhan sònruichte gach oidhche air an cumail aig an àm sin ann an eaglais Bhaisteaeh Bhaile-Mhàrtainn le ministear na h-eaglais féin, an t-Urr. Iain Macfàrlan. Bha tlachd an t-sluaigh a’ sgaoileadh agus a’ doimhneachadh gach oidhche. Bha muinntir air an ùr dhùsgadh ri tachairt orra gach là; agus dh’ fhàs an obair cho trom gus an d’thàinig an t-Urr. Donnachadh Macfàrlan á Tobar-mhoire a chuideachadh a bhràthar. ’Nuair ràinig sgeul air ball air a’ ghluasad eilein Cholla thàinig air t-Urr. Alastair Friseil, minister na h-Eaglais Shaoir an sin, a chuideachadh nam bràithrean ann an so. Bha coinneamhan air an cumail gach oidhche fad cùig-la-deug ann an eaglais nam Baisteach am Baile-Mhartainn, agus an an eaglais nan Neo-Eisimeileach aig Còrnaig—eaglais an Urr. Mr. MacFhearchuir. Tha Mr. MacFhearchuir, a shaothraich anns an eilein o cheann dà fhichead bliadhna le mòr eud agus le tomhas do bhuaidh, air dol an dàil na h-obair le mòr thlachd. Dh’ fhàs a’ mhuinntir a bha tighinn a mach cho lìonmhor gus nach robh àite aca anns na h-eaglaisean so. Cha robh an t-Urr. Mr. Caimbeul, ministear na h-Eaglais Stéidhichte, comasach air a bhi a mach air dha bhi ann an droch shlàinte ach air d’a eaglais a bhi air a h-iarraidh thug e seachd i gu toileach. [TD 179] Bha an eaglais anns an robh mi air feasgar na ceud Shàbaid a bha mi anns an eilein làn gus na dorsan. Bha coinneamh fìor shòluimte againn. Dh’ fhuirich mu dhà cheud air son na dara coinneimh; mòran diubh so bha cheana air strìochdadh, a’ deanadh gàirdeachais ann an gràdh Fir-Saoraidh, agus cuid diubh seana Chrìosdaidhean a bha a’ faireachduinn gu’n robh àm na beannachd so dhoibh mar aiseirigh o na mairbh. O nach b’urrainnear labhairt riutha fa leth rinneadh ùrnuigh agus beagan labhairt. Ann an comh-dhùnadh chaidh an ceathramh agus an cùigeamh rann thar an fhichead do ’n treas Salm deug thar an trì fichead a sheinn le leithid do chridhe agus do fhaireachduin gus nach dìch’nich mi gu bràth a’ choinneamh ud. Ach b’fheudar dhuinn an treas coinneamh a ghleidheadh far an robh comh-labhairt fa leth againn ri deich ’s trì fichead a dh’ fhan air deireadh ’nan suidheachain; cuid diubh bha iomagaineach fad sheachduinean; cuid eile dh’ aidich gu’n robh iad air an treòireachadh a’ cheud uair air an fheasgar ud gu bhi glaodhaich,—“Ciod a ni mi chum agus gu’m bi mi air mo theàrnadh?” Aig coinneamh eile: Air do dhuine a bha ann an teinn rè sè seachduinean na facail so a chluinntinn, “Tha e cinnteach gu’n coinnich am peacach a tha ’g iarraidh air an t-Slànuighear a tha ’g iarraidh,” bhris e mach ag ràdh, “Tha dochas air mo shonsa fathast ma ta.” Thubhairt aon eile a bha fagus air an deich ’s trì fichead bliadhna, “Molam an Tighearna ghabh E rium aig an aon uair deug. Air an t-seachduin so chaidh bha mi cosmhuil ri Daibhidh anns an t-sèathamh salm deug thar a’ cheud, ‘Rinn piantan ifrinn greim orm,’ ach a nis tha mi air a’ Charraig.” ’Se thuirt seana bhean air do cheist a bhi air a cur rithe mu cor, “Tha mi an so le peacaidhean tri fichead bliadhna ’nan laidhe arm.” Bha e ro thaitneach a bhi g éisdeachd ri ìnnseadh mhòran do dhaoine òga air am féin-fhiosrachadh. Phill mi gu mo shluagh féin le m’ chreideamh gu mòr air a neartachadh anns an fhìrinn, “Nach ’eil ni ’sam bith tuilleadh is cruaidh air Dia.” LITIREACHD GHAILIG. Bhiodh e cur dragh oirnn ’na uairibh a bhi faicinn mearachdan clobhualaidh agus nithean eile do ’n t-seòrsa sin air duilleig na Brataich. Bha cuid do na nithean so ’g am foillseachadh féin do bhrigh na deifir anns am feumadh cuid do na pàirtean tighinn a mach. Ach glé thric bha na mearachdan ud cho ainneamh agus cho beag ’s nach d’ thugadh am mòr-shluagh fainear iad. Ach ’n uair a sheallas sinn air leabhraichean Gàilig a thàinig o làimh cuid do laoich na Gàilig, tha e ’na chomhfhurtachd dhuinn a bhi tuigsinn nach ’eil sinn idir cho cearbach ’n uair a tha sinn a’ faicinn a leithid do litireachadh agus do sgrìobhadh mi-chubhaidh air duilleagaibh leabhraichean eile. B’e ar rùn-ne sgrìobhadh na Gàilig a dheanamh airidh air a’ chànain; cha ’n ’eil teagamh nach d’thàinig sinn geàrr ann an ni no dha; cò nach tigeadh?—ach tha fhios againn mar an ceudna gu’n d’ thug sinn air sròl na Brataich tomhas ceartais do ar cainnt mhilis mhàthrail nach d’ fhuair i an làmhaibh iomadh aon. Fàgaidh sinn aig “an àl a thig ’nar déigh” a’ chùis so [TD 180] fhianuiseachadh mar thoill sinn. Cheana fhuair sinn gnùis is cuideachadh cuid do na h-oilearan Gàidhealach is measaile. An cànran a chuala sinn am beòil cuid, agus an conas a chunnaic sinn air eudan cuid eile, cha do chuir riamh mòran smuairean oirnn; oir bha fhios againn gu’n robh sud uile a’ freumhachadh araon ann an aineolas agus ann an eu-comas nan cànranach. Ma ta, leigeadhmaid leo; mur b’e gu’m bu mhiann leinn an gearan salach eudmhor ud a chur á fasan am measg nan Gàidheal; agus gu’m faiceamaid iad a’ dol ’n an aon a chuideachadh cuspair ionmholta ’s am bith, cò air bith a bhiodh ’na cheann. Cha ’n ’eil sinn idir ag iarraidh gu’m bu chòir a’ h-uile ni a mhisneachadh; ach tha sinn cinnteach ás gur h-e dleasannas gach neach oidheirp air am bheil tomhas do choslas math a neartachadh. Tha bàrdachd Mac Mhaighsteir Alastair air a cur a nach ás ùr ann an dòigh gle’ shnasail. Tha na mìrean a bu shalaiche air an cur ás an leabhar. Cha ’n ’eil a’ chainnt gu dona air a sgrìobhadh; ach thug sinn fainear aon mhearachd a tha dol troimh ’n leabhar gu h-iomlan, a bhi cur accent ar eu mar so éu, ni air nach ’eil feum ’s am bith, agus a tha an aghaidh Riaghailtean na cànain mar tha iad air an cur sìos leis an oilear urramach Stiùbhard. Tha an t-Urr. A. Mac Rath, fear-ceasnachaidh nan Sgoilean Gàilig, air cuid do laoidhean Shankey a chur an Gàilig, fo’n ainm “Laoidhean air son Tioman Beannachd.” Tha ceithir deug air an eadar-theangachadh. Cha ’n ’eil am focal “Tioman” a’ còrdadh ruinn idir. Bhiodh “Amanna,” mar gheibhear an Gniomharan nan Abstol ni bu fhreagarraiche. Cha ’n ’eil an spiorad bàrdachd a tha iad a’ taisbeanadh ach anmhunn. Tha gné agus comas cleachdail a’ bhàird cho feumail anns an eadar-theangaiche agus a tha iad anns an ùghdar féin. ’S aithne dhuinn an sgoilear sgiobalta a th ’ann do Mhr. MacRath; ach ged tha inntinn glé aitichte aige ann an cuspair no dha, gidheadh tha sinn an teagamh ás gu ’n d’ fhuair e an t-ullachadh ceudna ann am bàrdachd no ann an sgrìobhadh na Gàilig. Cha ’n e a’ h-uile fear a ni ranntachd a ni bàrdachd; no a dh’ eadar-theangaicheas i. Ach tha sinn toilichte a leithid do oidheirp fhaotainn o làimh Mhr. ’IcRath ged nach ’eil ann ach gnothuch beag. Cha ’n ’eil sinn an dùilgu ’n gabh na Gàidheil tlachd ’nan seinn gus an dean e ni’s sleamhainne iad; tha còrdadh deireidh nan sreathan tuilleadh is carrach. Bhiodh e ni bu shnasaile ann am bàrdachd ’s an là an diugh gu ’m biodh na foghairean agus na comh-fhoghairean a’ còrdadh ann am fuaim aig deireadh gach sreath; gu h-àraidh ’nuair nach ’eil fuaimean cho-fhonn air an gleidheadh ann am meadhon nan sreath. Chì an leughadair an ni a tha sinn ag iarraidh anns an rann a leanas a thug sinn o ’n Bheurla: “My boast is not that I deduce my birth From loins enthroned and rulers of the earth; But higher far my proud pretensions rise, A son of parents passed into the skies.” Cha’n uaill leam ged a dh’ fheudainn dàimh a luaidh Ri leasraidh rìoghail, ’s ri cinn-fheadhn’ an t-sluaigh; Ach fad ni ’s àirde gheibhear m’ uaill am freumh, ’Nam mhac do phàrantan a thriall do nèamh. [TD 181] Dh’ eadar-theangaich “Ishmael Ionmhuinn” an rann ceudna mar so dhuinn: Cha’n e mo bhòsd gu’n fuaradh leam an deò O leasraibh rìgh is riaghlairean nan slògh; Ach fada os-an-ceann tha uaill mo fhreumh, Mac athar ’s màth’r a shiubhail suas gu nèamh. EIRIDH NA GREINE. Dh’ éirich Mac na Madainn boillsgeach, cur na h-Oidhch’ o athar sòir; Sgrìob e sìos a chiabhan soluis, suidhe air a leabaidh òir; Thug e sùil gu Deas ’s gu Tuath; is gus an Iar ’s am bi a chlos Is o leòis a shùl chaidh dealradh—beatha do gach ni a bhos; Dhùisgeadh leis o phràmh gu saothair feartan beò a’ chruinne-ché; Thug a bhlàs ás ùr neart-gluasaid do gach buaidh a réir a gné. Chìteadh dall troimh chuairsgean ceathaich mullaich Alba ghuirm ’s an speur, Fad an Iar-Thuath bàrr na Neimhis sìneadh suas le h-uaill a beur; Rìoghail, allail, àrd, do-chìosnaicht’, i mar bhanrigh nèimh ’na glòir Nach do chaill a lainnir riamh roimh nàmh a dh’ iadh le fheachd ’na còir; Ri a guaille chìteadh cruachan donn Dhruim Alb’ o chuan gu cuan Air am faighear cliù ar sìnnsear snaidhte air an eudainn bhuan. RANN GAIDHEALACH. A rinneadh gun roimh-smuain aig coinne chaidrich ann an tigh an Uasail Friseal an Glaschu far an robh an t-Olla Urr. Maclachlainn á Dùnéideann maille ri àireamh do Oileanaich Ghàidhealach. Chuireadh thuigainn e a chumail cuimhne air a’ chùis. Ged a dh’ fhàg sinn cruachan Tìr nam Buadh ’n ar déigh Dachaidh laoch a bhuadhaich le an cruaidh ’s gach ceum, Gheibhear againn cànain ghaisgeach rìoghail treun Nach do chìosnaich nàmh riamh ann am blàr nam beum. SEIS: Togar fonn nach fannaich air an fhial’achd ghrinn Mu’n do shuidh na “Clanna,” ’s iad mu’n Olla cruinn. Samhuil sud air àbhuist na tìr àird le suinn ’Nuair bha Fionn an t-àrmunn ’s àl na Féinn ’s ’na glinn Loinneil ’s mar bha fòghlum Choibhi measg nan Draoi, Farsuinn ’s mar bha eòlas mar Cheann-feadhn’ nan Saoi, Th ’againn tì bheir bàrr air, àrd an euchd ’san eòl, Olla cliùmhor sàr-mhaith mu’n seinn bàrda ceòl. Grinn ’s mar bha Mal-’mhìne anns an linn a bh’ann Ri àm Fionn na Féinne, ’s féile nach robh gann, Ar Ban-Friseil uasal thug a’ bhuaidh oirr’ còrr; Beannachd biodh o Shuas oirr’, air a cuach ’s a stòr. [TD 182] MEASARRACHD. ’Si an deoch-làidir ’nar latha agus ’nar linn aon do na h-uilc a’s uamhasaiche. Canaidh cuid nach ann ’san deoch a tha an t-olc ach anns an duine; ’s e a b’ fheàrr leinn a ràdh gu’m bheil an t-olc annta le chéile; agus ’n uair a gheibhear iad a’ dol cuideachd gu’m bheil iad ag aonadh ’n an aon lasair gu léirsgrios loisgeach. Is e Uile-chumhachd a mhàin a shaoras an neach ud a gheibhear ’san aonadh mhi-naomh. Tha droch-spiorad an uisge-bheatha ag oibreachadh air olc cridhe an duine; tha e gur an uilc ud ann an cùiltibh dorcha nan droch smuain; agus is léir do ’n t-saoghal gu léir cliù an àil uamhasaich a thig a mach,—àlach a thionndaidheas an ùine gheàirr agus a ni air a phàrant daonna, mar ni an Hindù air a mhàthair, a losgadh gu luaithre—gu bàs. Tha mar so olc an uisge-bheatha a’ beothachadh agus a’ misneachadh olc a’ chridhe, agus tha e soilleir gur h-i an riaghailt cheart dh’ an taobh a’n cumail o chéile. ’Si so riaghailt an Sgriobtuir féin, a tha ag ràdh, “Seachnaibh gach coslais uilc”; cha ’n e mhàin an t-olc féin, ach cuspair ’sam bith air am bheil a choslas. Cò an Criosduidh a tha cho ladarna agus a chanas nach ’eil an coslas ud mu òl agus mu mhalairt an uisge-bheatha? Is i séis mheallaidh an òil,— Is mis’ an t-Uisge fìor-ghlan a dh’ iarras a ’h-uile fear; Is ginidh mi gu fialaidh an-miann anns an duine dhuit; Is bheir mi séid ’s na cìolan is lìonaidh mi cullach iad; An sròntan ni mi fiamh-dhearg oir ’s miaghail mo stuth aca. Ach tha toradh eile air an dibh so a tha a’ dearbhadh nach i an t-Uisge Beò a th’innte. Is iomadh dachaidh anns an cluinnear “bàsraidh bròin” a’ deanamh seirm chianail air na thig ’na lorg. Agus is lìonmhor ionad os ceann an do thogadh an t-séis so: Tha ’m bàs an Teampull Alastair, Tha ’m bàs an Teampull Alastair; A theaghlach air an dalladh ann, A’ fàs air dhath na branndai. Coma leat am bòsd no ghaisge a ghabhadh tlachd ann an cuspair a tha nochdadh a leithid do neart sgrios; coma leat an creideamh no an t-aideachadh a ni bràithreachas ris a’ mhalairt mhi-naoimh ud. Bha agus tha mòran uisge-beatha air a dheanamh agus air òl am measg nan Gàidheal; ach ciod air bith mar a shealladh tomhas d’e sud ann an àmaibh roimhe so, tha suidheachaidhean dhaoine ’s an àm so air atharrachadh gu mòr. Mhiannaicheamaid uime sin na Gàidheil mar fhine a bhi cur an cùil ri malairt an òil; agus a bhi ’g altrumas an rùin a dheanamh iad comasach air a bhi seinn,— Thug sinn bòid; thug sinn bòid, Nach bi ’n t-òl ’na Fhear-milleidh; Thug e nàir dhuinn mar Ghàïl, Thug e tàr dhuinn mar fhine. IAR-EILEANACH. [TD 183] EOLACH AIR BRON. IS ann ’nan sluagh doilghiosach agus eòlach air bròn a ruigeas a’ mhuinntir shaoirte crìoch an turuis. Oir ged tha aoibhneasan ann am beatha na diadhachd cha ’n ’eil annta anns an t-saoghal anshocrach so ach blàthan nach gléidh an snuadh ro fhada; oir is e cùl agus cnaimh-droma na nuadh bheatha, Làn-oibreachaidh sláinte an anma le h-eagal agus le ball-chrith. Is ann troimh dheòir a’ bhròin dhiadhaidh a ruigeas an t-anam air sòlas a’ Ghràidh Shìorruidh. B’iad fulangas, geur-leanmhuinn, naimhdeas an t-saoghail, is an Crann-ceusaidh cuibhrionn Ceannard na Slàinte,—b’ann troimh cheuman deurach na h-ùmhlachd is na seirbheis is nam fulangas a chrìochnaich Esan obair mhòr na Réite, a’ fàgail fìor Eiseimpleir Naomhachd againn. Agus feumaidh gur h-ann air an aon cheum—féin-àicheadh is crann-ceusaidh—a ruigeas iadsan ceann an réis. Cha bu chlann dhligheach iad mur ruigeadh slat-sgiùrrsaidh an Athar orra; oir sud agad,— “— — Iosa dh’fhuiling tàmailt, Air an d’rinneadh ’n tàir bu mhò; Bha ’na chompanach do àmhghar Fad a là ’s a chuairt ’san fheòil.” Is ann le deuraibh bròin is eagail diadhaidh fo dheàrsadh gràidh saoraidh a leaghas nimh a’ pheacaidh ás a’ chridhe; is ann le faobhar naomh chlaidheamh an Fhocail a gheàrrar freumhan na seirbhe o’m bun; is cha’n ann gun acain no dhà a ni am faobhar ud sgathadh ann an doimhneachd faireachduinn an anma. Ri aghaidh so is e fiosrachadh a’ Chrìosduidh,— “Tha mi bochd ’sa ghnàth làn saibhreis; Brònach an còmhnuidh ’s làn aoibhneis; Bacach, leòinte, ’s mi làn choimhliont’; Mall ’s mi ruith gu teann le cabhaig. ’N Seann Duine ’gam fhàgail daibhir ’San Duin’ Og mo shaibhreas falaicht’.” A MHAIN TRE GHRAS. Saoirte o’n lagh, O ’n suidheachadh sona! Dhòirt Crìosda fhuil, ’s tha math’nas innt’ dhuinne! Malluicht’ o’n lagh, aig peacadh an sàs, Saorar le Crìosd a mhàin tre ghràs. SEIS:— Crìosd a’ gairm, O pheacaich, bi géilleadh! Crìosd a’ seirm, O bhràith’r, creid an sgeula! Lean ris a’ Chrann, ’s théid t’anam á càs Saorar le Crìosd a mhàin tre ghràs. Dìteadh cha tig—nis tha sinn á daorsa, Fhuaireadh le Iosa iomlanachd saorsa: “Thigibh a M’ IONNSUIDHS’”—gairm ort o ’n bhàs; Thig, ’s gheibh thu slàint’ a mhàin tre ghràs. Sibhse, “Clann Dé!” O’n dàimh àrd ro ghràsor, ’Scinnteach a ghràs a ’r dìon o ’n t-sligh’ bhàsoir! Triall ás A dhéigh gu beatha o bhàs, Teàrnadh bhios sìor a mhàin tre ghràs. [TD 184] LITIR. A DHEASAICHE CHAOIMH,—A thaobh ’ur suairceis ann an tabhairt àite do m’ bheachdan a thaobh I-Freòin, tha mi gabhail misnich facal a thairgse air “I-ona.” Do bhrìgh gu bheil comh-shìneadh bheachdan air a ghabhail mar dhearbhadh stéidheachaidh fhìrinnean théid “I-Freòin” agus “I Shonadh” maille ri chéile ann an litir. 1. Tha cuid ag ràdh a chionn gu bheil Ionas anns an Eabhra agus an t-eun Calaman a’ freagairt d’a chéile, gu’n d’ thug oideachan-fòghluim Chalum Chille an t-ainm Eabhrach so air an eilein anns an robh a chòmhnuidh. Thogadh e ùine dol thairis air na h-aobharan a tha air an tabhairt, leis na seana scrìobhaichean gu’n d’thugadh Columban na Calaman mar ath-ainm air Calum Cille. Tha e soilleir mu na h-aobharan gur h-iad muinntir Eaglais na Ròimh a sgrìobh iad. Tha e ’na chall do eòlas eachdraidheil gu’n do lean Diùc Earaghàidheal ’na leabhar am mearachdsan; agus sin do bhrìgh nach àithne dha Gàilig chunabhallach. 2. Ged bu chomasach gu’n fhuair Calum Cille an t’ainm Calaman o’n Laidionn cha’n ’eil e réir breithneachaidh luchd-eòlais gu’n tugteadh an t-aon ainm air an duine agus air an àite-chòmhnuidh. 3. Tha e so-dhearbhte o ’n chainnt Ghàilig gu’n robh eòlas an t-saoghail aig an àm a chòmhnuidh innte. Tha mar an ceudna teagamh ri chur an robh eòlas chainntean eile cho measail aig luchd-fòghlum agus a thachair uaithe sin. Tha eachdraidh a’ chinne-daoine gu léir, ma sheallar innte a’ flanuiseachadh gu bheil gach fineadh a tha gleidheadh an àite, a’ gleidheadh mar an ceudna an cànain féin. Bha Albainn buadhail ann an làithean Chalum Cille mar a tha gus an là diugh. ’Sann air Eirinn a fhuair an Ròimh buaidh, agus is ann á Eirinn a thàinig tuil na Pàpanachd do dh’ Albainn. Tha an “t-Seann Ghàilig” a tha agaibh ’sa’ Bhrataich a’ seòladh air rathad a thàinig agus a bhuadhaich a’ Phàpanachd ann an Albainn. Cha b’i sid riamh cainnt ar sìnnsreachd. Chaidh “sgrìobhaidhean” nam Manach Gàidhealach a losgadh le Iarla Earaghàidheal ri àm nan Cùmhnantach ann an I Chalum Chille, agus mar sin eachdraidh ar dùthcha gu ro mhòr. Air a shon so uile tha beul-aithris againn, maille ri dealbh na cainnte ás an comasach an fhìrinn a thaghadh. “An talla nam Flath am bheil bròn Nan ialtag an còmhnuidh Fhinn?” “Ar sonas mar an fhairge cha traoigh, ’Scha chaochail mar aghaidh na gealaich.”—Oisein. “Flath-Innis,” “I-shonna,” agus “I bhraoin;” agus tha e sgrìobhte, “Am beul dithis no triùir do fhianuisean bithidh gach facal seasmhach.”—Le mòr urram, ’ur seirbhiseach, IAIN CAMARON. SALM BEATHA. AITHRIS CRIDHE AN DUIN’ OIG DO ’N T-SALMAIDH. Na bi seinn dhomh ’n òran cianail Nach le beath’ ach bruadar seilbh! Oir tha’n t-anam marbh nach dian-ruith, ’S cha’n’eil nithe réir an deilbh. [TD 185] Fìor tha Beatha! Dian tha Beatha! Is cha stad i anns an uaigh; “Duslach thu, ’s gu duslach théid thu,” Nior rinn air an anam luaidh. Cha’n e Bròn, is cha ’n e Gàire, Chrìoch no ’n t-sligh’ tha ’n dàn gach neach; Ach bhi ’g obair chum ’s gu fàg sinn Dìleab aig gach là théid seach. Fad tha Ealdhain; Uin’ tha luath-ruith; Is ar crì ’na ghaisge buaidh, Mar an druma bhalbh a’ bualadh Ceuman cumha thun na h-uaigh. An raon-cath an t-saoghail fharsuinn, Ann am fair’ na beatha déin’, Na bi balbh mar bhuar air iomain, ’San strì-iomairt bi a’d’ threun. Na dean earbs’ á sgleò àm tighinn; Tìolcadh n’ tìm a dh’ eug a marbh; Sparradh cogais ’s Dhé bhi saoithreach Measg na th’agad soirbh no garbh. Beatha dhaoine mòr tha cuimhneach’ ’N t-àgh tha dlù ar beatha ’n dàil, Moladh dhuinn ’nar triall bhi fàgail Làrach lorg air tràigh nan àl. Làrach lorg a dh’ fheudas misneachd Thoirt do bhràth’r long-bhrist’ leis féin, Air dh’am faicinn bhàrr na mara Is a chridhe fàs neo-threun. Eireamaid, ma ta, a dh’ obair Na tha ’n dàn le crì gun fhiamh; Ghnáth ri euchdan, ghnàth gun fhosadh, Fòghlum feitheamh agus gnìomh. Ead. o LONGFELLOW. SOLUS AN T-SAOGHAIL. Gur fìrinn ’scha bhreug na sgeula anais, An saogh’l bhi ’na laidhe an ceò: Gun solus na gréin’ cha léir ’scha ’n amais Sinn ceum thoirt a leanailt nam beò. Tha’n cunnart mu’n cuairt ’s e ’s dual dhuinn tuiteam ’San t-slochd tha fo dhubhar a neòil; Gidheadh ’sann tha’n saogh’l mar dhaoin air faithir An amaideachd ’n aighir ’san ceòl. [TD 186] Tha Solus ’san t-saogh’l ach daoin’ cha’n aithnich, ’Scha ghabh iad air aithne le deòin; ’S beath’ E do’n t-saogh’l ’sdo dhaoin’ gur beannachd, Gur slàinte, gur h-aran, ’s gur lòn. ’Sdo dhaoine tha dall seall-sa do dhathan Is chì thu gur h-amaideachd mhòr, Tairgse do bhiadh do dhuine gun bheatha, ’S mur tuig thu gu’n aithnich thu ’n còrr. Iarrtus nan iarrtus, Spiorad na Beatha! Biodh agam a’m’ athchuing’ ri m’ bheò; Soillsicheadh mì air ghiorad mo latha, (Mo shealladh le lannan fo sgleò); Gu’m faic mi am Mac, gu’m faic mi an t-Athair; ’S’nuair dh’ iarrainn so uile dhomh fhéin, An saoghal gu léir do nach léir a dathan Gu’n géilleadh do ghathan na Gréin’. IAIN CAMARON. FIOS COITCHEANN. THA an t-Urr. Alastair Mac’Illc-Mhìcheil air gairm fhaotainn á Sgìre a’ Chnuic an Leòdhais gu sgire ann am Peairt. Tha obair mhòr air a giùlan air a h-aghaidh ann an Eirinn le Moody is le Sankey. Tha iad gu geàrr ri Eirinn fhàgail agus ri dol do Lunnainn far am bheil an Talla is mò anns a’ bhaile mhòr sin air a gahhail air an son. Tha an t-Urr. S. L. Caimbeul, an Sgire nan Loch an Leòdhais, air gairm fhaotainn do Eaglais Shaoir Earaghàidheal ann an Glaschu. Tha Mr Caimbeul ’na mhinistear tàlantach ann an gibhtean nàduir agus gràis; agus ma thig e do Ghlaschu mar tha dùil mhòr gu ’n tig gheibh e fàilte chridheil agus togairt mhòr dh ’a thaobh am measg Gàidheil a’ bhaile sin. Oir tha dùil aca gu ’n dean Mr Caimbeul air mhodh sònruichte gnothuichean nan Gàidheal a sheasamh gu tarbhach ann an crìochaibh nan Gall. Mar so rinn an t-Urr. Mr MacDhùghaill roimhe; a sheas a a ghrunnd gu measail anns an eaglais cheudna fad deich bliadhna fichead. Cha robh a’ bheag do mhinisteirean ann an Glaschu a ghléidh a sheasamh ni bu mheasaile na rinn Mr MacDhùghaill a tha a nis an làithibh aois a’ fàgail ionad a shaothrach anns am bheil neach eile dol a steach. Bidh cuimhne aig cuid d’ar luchd-leughaidh air eachdraidh Mhr Caimbeul mu Ghustavus Adolphus ann an ceud àireamhan na Brataich. Thug sinn fainear cheana mu’n Urr. Iain MacAoidh a tha air a shuidheachadh a nis ann an Gleann-Lìodhann; tha nis aon eile do luchd-cuideachaidh na Brataich, a bha, tha e ceart aideachadh, ’na chùl-taice mhòr dhi, gu bhi air a shuidheachadh, a réir coslais ann am Port-na-h-aimhne ann an Ile. Is e an neach a tha sinn a’ ciallachadh an t-Urr. Iain Seòras MacNéill. PAIGHEADH.—Tha cuid ’sa’ bheachd gur h-e an Deasaiche a tha a’ togail agus a’ faotainn airgiod na Brataich. A nis tuigeadh gach neach [TD 187] nach ’eil còir aig air agus nach ruig sgilinn dheth oir; gur h-ann gu Mrn. MacPhun is a Mhac is còir am pàigheadh a chur; agus gur h-e an cuid e. B’e na dh’ iarr agus b’e na fhuair an Deasaiche air son a shaothair, maille ris na daoin’-uaisle ceanalta a chuidich e, taing nan Gàidheal a chuireadh meas air an oidheirp, maille ri duais is àirde agus nach fhàilnich a leanas mar thoradh gach obair ionmholta. Tha sinn an dòchas nach ’eil neach aig am bheil ri pàigheadh nach cuir sud air ball gu Mr. MacPhun dh’ am bheil na Gàidheil fo mhòr chomain. SLAN LEIBH. A CHAIRDEAN GAIDHEALACH,—Tha an t-àm air tighinn anns am feum mise a nis dealachadh ruibh mar luchd-leughaidh is mar luchd-cuideachaidh na Brataich. Agus do bhrìgh nach coinnich sinn m ’s mò an dràsd tuilleadh fo shròl Gàidhealach na Brataich, ceadaichibh dhomh taing mo chridhe thoirt dhuibh gu léir air son a’ chuideachaidh chaoin a nochd sibh. Do ’n luchd-leughaidh labhrainn gu taingeil air son cobhair a nochd mòran ann an toirt ar n-oidheirp fa chomhair ar luchd-dùthcha; do ’n luchd-sgrìobhaidh ás gach ceàrn agus aidmheil a rinn còmhnadh oirnn gun airgiod agus gun luach; agus do gach neach anns gach àite deas is tuath leis am bu mhiann ar n-aobhar a shoirbheachadh agus aig am bheil cliù ar cainnt agus ar co-luchd-dùthcha dlù d’ an cridhe. Slàn leibh an dràsd; agus gabhaibh ris an taingealachd a tha faotainn àite a’ m’ chridhe ach nach urrainn sgeul fhaotainn ann am briathar,—seadh, taingealachd nach sguir mi a dh’ altrumas, agus nach téid á cleachdadh, fhad ’s is beò mi. Ged dh’ fheudadh teachd-geàrr no dhà bhi an dlù charaibh na h-oidheirp, bha i air a toirt agus air a giùlan a mach chum feum agus cliù Ghàidheal; an rùn so chaidh ann an tomhas a choimhlionadh. Ged nach do chanadh no nach do rinneadh iomadh ni a réir beachd an aoin so no an aoin ud eile, gidheadh cha chreid mi gu robh slighe mhi-chubhaidh air a leantuinn ach tearc; ni mò a shaoileas mi nach bi toradh an ionad no dhà an déigh turus na Brataich feadh nam Beann. ’S iomadh fear a leugh cheana i; agus is iomadh a leughas i ri bliadhnai ri teachd. Foipe tha carragh Gàilig air a thogail nach nàr leam féin co-dhiù a bhi air fhaicinn an tìr “na Gàilig ’s an fhéidh.” Tha e air a thogail do chainnt fhìor-ghlan nan gleann,—“cainnt is aosmhor cliù, ’s i ùr mar bha,”—anns nach fhaighear clachan Gallda no Sasunnach; ach far am faighear na focail a’ caigneachadh gu h-eagnaidh agus gu nàdurra gach aon ’na alt féin. Shoirbhich leinn air dòigh ris nach robh dùil againn; agus nam biodh a’ Bhratach air a cumail suas mar a dh’ fheudadh i bhi nam biodh againn ùine, no nan gabhadh neach eile a cudthrom air féin ’siomadh là mu’n ruigeadh i leas tighinn a nuas. Ach tha [TD 188] dleasannais eile a’ luidhe cho trom air an Deasaiche a ghabh ás làimh i gus nach urrainn e ùine a chaomhnadh air a son-sa mar dh’ fheumadh i; ach ged tha càirdean a’ dealachadh aig an àm mu’n chuspair so tha rùn gu’n coinnich cuid againn a rìs mu aon eile agus ann an suidheachaidhean is fabharraiche a chumail cliù ar sìnnsre air chuimhne. Agus anns an dealachadh, agus ann a bhi a’ gabhail mo chead dhibh fuiligibh dhomh séis aosmhor Ghallda a chur ann an cainnt nam beann far am bheil cliù nan nithe bh’ann o shean air a chumail suas. Cliù na Gàilig, cliù nan Gàidheal, cliù fòghlum, ceanaltachd, is teagasg cràbhadh is diadhachd nan Gàidheal, anns an àm o chian agus anns an àm a ta làthair, bu mhiann leam a chumail gun chaochladh: Air son an àm a bh’ ann o shean, Air son an àm o chian; Gu’n òl sinn cuach do’n uisge ghlan Air son an àm o chian. An còir do eòlas trath ar n-òig Bhi dhuinn ’na ni nach fhiach? No’n leig sinn dhinn ar cleachdaidh ghràidh ’Sna làith a bh’ann o chian? Ach maith agus mar a dh’ fheudadh cuid do sheana chleachdaidhean na Gàidhealtachd a bhi; agus a dh’ fheudadh an gleidheadh a bhi; airidh agus mar tha iad air a’n cumail o dhol ás gidheadh a dh’ easbhuidh beannachdan saibhir an t-Soisgeil, ’s ann suarach agus bochd a bhiodh cor nan Gàidheal. Is e am meas air an Fhìrinn, no air Bratach ’sam bith fo’m faighear i, a tha toirt dhoibh a’ chliù ud nach teirig; uime sin tha sinn an dòchas nach tig an là a chaoidh anns an caill na Gàidheil sealladh air an diadhachd ghloin ud le a nòsan sgriobturail a rinn na Gàidheil ’san àm o shean agus anns an àl a ta ann airidh air aire mhòrain. Tha mi ’n dòchas nach fhaicear Sion na Gàidhealtachd a chaoidh a’ call a maise; ach gu’m bi i comharraichte a mach am measg nan uile air son nach d’fhuaradh i a’ claonadh o shlighe an Fhocail, no a’ gluasad ás an àite na seana chomharran crìche. Uime sin gabhar guidhe an t-Salmadair a chur an céill dùrachd cridhe a thaobh na Gàidhealtachd: Ierusalem mar chathair i thogadh gu dìleas dlù; D’an téid na treubhan suas gu léir, ’siad treubhan Dhé nan dùl: Gu teisteas Israeil a chum ainm Dhé gu moladh iad. Oir caithrichean chum breth tha ’n sin, ’s le teaghlach Dhaibhidh iad. Sìor-ghuidhibh do Ierusalem sìth-shàimh is sonas mòr; A’mhuinntir sin le’n ionmhuinn thu soirbhichidh iad gu leòr. An taobh a stigh do d’ bhallacha biodh sìth is sonas maith: Deadh shoirbheas fòs gu robh gu bràth a’d’ lùchairt àird a stigh. Air sgàth mo bhràithrean ’s luchd-mo-ghaoil, dhuit guidheam sìth a ghnàth. Air sgàth tigh naomh ar Tighearn Dia iarram do leas gu bràth. SLAN LEIBH! NIALL MAC-NEILL.