[DA 1] WAIFS AND STRAYS OF CELTIC TRADITION. I. ARGYLLSHIRE SERIES. Edited, With Notes on the War Dress of the Celts, BY LORD ARCHIBALD CAMPBELL. LONDON: DAVID NUTT, 270, STRAND. 1889. [DA 2] LONDON: WHITING AND CO., 30 AND 32, SARDINIA STREET, W.C. [DA 3] DEDICATED TO THE MEMORY OF THE LATE ANNE, COUNTESS OF CROMARTIE, VISCOUNTESS OF TARBAT, DUCHESS OF SUTHERLAND. [DA 4] [Blank] [DA 5-6] PREFACE. [Beurla] [DA 7] CONTENTS. [Beurla] [DA 8] ILLUSTRATIONS. [Beurla] [DA 9-15] INTRODUCTION. [Beurla] [DA 16] ERRATA. Page 36, l. 1, for “Mich”, read “Mhic”. 36, l. 24, for “birlinn”, read “bìrlinn”. 40, ll. 15, 16, for “Mhic-a-Phith”, read “Mhic-a-Phìth”. 40, l. 17, for “birlinn”, read “bìrlinn”. 41, l. 20, for “Cairn”, read Càrn”. 46, l. 7, for “déidhe”, read “déidh”. 46, l. 9, for “fád”, read “fád’”. 46, l. 14, for “a’ riaghladh”, read “’riaghladh”. 48, l. 8, for “gnothach”, read “gnothaich”. 48, l. 16, for “te”, read “té”. 48, l. 19, for “ghaoithe”, read “ghaoith”. [TD 1-45] CRAIGNISH TALES [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 46] MAR A FHUAIR MÌCHELL SCOT FIOS NA H-INID AS AN RÒIMHE AGUS A CHUIR E CRÌOCH AIR A’ BHI ’DOL AN SIN G’A SIREADH. “An Inid bheadaidh thar gach féill Is olc an aimsir duine ghionaich ’thig na déidh.” [Theirear an “Inid Bheadaidh”, ’n uair a tha a’ ghealach ùr beagan làithean an déidhe na Feille Brìde. Air dha so a bhith, thigeadh, mar a theìreadh na seann daoine, “Earrach fád a tòin càisge”.] An uair a bha ’n dùthaich fo riaghladh a’ Phàp, bha an sluagh ro aineolach agus cha-n fhaodteadh ni air bith a dheanamh no a ràdh leo, gus am faigheadh iad comas a’ Phàp. B’i an Inid a bha a’ riaghladh na h-uile féill a bha ’g a leanachd fad na bliadhna. Mar so, ’n uair a bhiodh fios air là na h-Inid, bha fhios air là-aimsir gach féill fad na bliadhna. Air là na h-Inid bha an Carbhas a’ tòiseachadh; sia seachduinnean an déidh sin bha là Càisge, agus mar sin a sìos gu ruig ceann na bliadhna. Bha duine a’ dol as gach dùthaich a h-uile bliadhna a dh’iarraidh fios na h-Inid do’n Ròimhe, agus an uair a thigeadh e dhachaidh agus a dh’ìnnseadh e, co b’e là na h-Inid air a’ [TD 47] HOW MICHAEL SCOT OBTAINED KNOWLEDGE OF SHROVE-TIDE FROM ROME, AND HOW HE CAUSED THE GOING THERE FOR THE PURPOSE OF ASCERTAINING THE KNOWLEDGE TO CEASE. [Beurla] [TD 48] bhliadhna sin, bha duine ceannsgallach, tapaidh, curranda, seòlt’ agus deagh-bheusach air ainmeachadh gu dol do’n Ròimhe, g’a sireadh an ath bhliadhna. Bha Mìcheil Scot, duine foghluimte, ainmeil r’a là, air a shònrachadh gu dol do’n Ròimhe a dh’fhaotuinn fios na h-Inid, bliadhna de na bliadhnachan; ach am measg na h-uile gnothach eile’ bha aige r’a dheanamh dhìthchuimhnich e ’dhleasnas gus an robh féisdean na bliadhna thairis aig Aifrionn na Coinnle. Cha robh mionaid r’a chall. Thog e air a dh’ionnsaidh té de na loithean-marcaich is thubhairt e rithe, “Cia cho luath ’s tha thusa?” “Tha mi cho luath ris a ghaoithe,” ars’ ise. “Cha dean thu ’n gnothach,” arsa Mìcheil. Ràinig e ’n dara te—“Cia cho luath’s tha thusa?” “Tha mi cho luath ’s gu-m fàg mi a’ ghaoth’ tha ’m dhéidh, ’s gu-m beir mi air a ghaoithe ’tha rotham,” ars’ ise; “Cha dean thusa ’n gnothach,” fhreagair Mìcheil. Bha ’n treasa té cho luath ri gaoth dubh a’ Mhàirt—“Is gann gu-n dean thus’ an gnothach,” arsa Mìcheil. Ràinig e ’n ceathramh té, ’s chuir e ’cheist rithe, “Tha mi cho luath ri aigne maighdinn eadar a dà leannan.” “Ni thusa feum,” arsa Mìcheil, “dean deas.” “Tha mis’ a ghnàth ullamh na’m biodh an duine do m’ réir,” deir ise. [TD 49] [Beurla] [TD 50] Dh’fhalbh iad, agus bu cho-ionnan muir is tìr dhoibh. Nuair a bha iad air a’ mhuir thuirt a’ ghlaistig ris, “Ciod a their mnathan ann an Albainn, ’n uair tha iad a’ smàladh an teine.” “Marcaich thusa,” arsa Mìcheil, “ann an ainm do mhaigstir, agus coma leat sin.” “Beannachd dhut fhéin ach mollachd aig d’oid’-ionnsachaidh,” fhreagair i. “Ciod,” ars’ ise rithist, “a their na mnathan an uair tha iad a’ cur a’ chiad aisearean a laidhe agus an dara cìochran ’n an uchd?” “Marcaich thus an ainm do mhaighstir, agus leig le mnathan Alba cadal,” deir Mìcheil. “Bu lonach an té ’chuir a’ chiad chorag a’d bheul,” ars’ ise. Ràinig Mìcheil an Ròimhe; b’i a’ mhaduinn a bh’ann; chuir e grad fhios a dh’ionnsaidh a’ Phàp gu robh teachdaire na h-Alba aig an dorus ag iarraidh fios na h-Inid le cabhaig, mu’n rachadh an Carbhas air chall: thàinig am Pàp gun dàil do’n àit-éisdeachd. “Cia as ’tha thusa?” deir e ri Mìcheil. “Tha mise o do chloinn dhìleis ann an Albainn, ag iarraidh fios na h-Inid, mu’n téid an Carbhas air chall,” deir Mìcheil. “Bha thu ro fhada gun tighinn.” “Is tràth a dh’fhàg sin mi,” fhreagair Mìcheil. “Is math àrd a mharcaich thu.” “Cha b’àrd ’s cha b’ìosal ach dìreach romham,” deir Mìcheil. “Chì mi,” deir am Pàp, “sneachd air do [TD 51] [Beurla] [TD 52] bhonaid. “Tha, le’r cead, sneachda na h-Alba.” “Ciod,” ars’ am Pàp, “an comharadh ’bheir thu dhomh-sa air sin, agus gu bheil thu air tighinn a Albainn a dh’iarraidh fios na h-Inid?” “Tha,” arsa Mìcheil, “gu bheil bròg air do chois nach buin dhuit fhéin.” Thug am Pàp sùil agus bha bròg boireannaich air a chois dheis. “Gheibh thu na tha ’dhìth ort,” deir e ri Mìcheil, “agus bidh falbh. Is e a’ chiad Di-màirt de’n chiad solus earraich latha na h-Inid.” Mar so fhuair Mìcheil Scot fios air an dìomhaireachd a bha ’m Pàp a’ cumail dha fhéin. Ròimhe so, cha d’fhuair an teachdaire ach gu’m b’e a leithid so no leithid sud de latha, latha na h-Inid air a’ bhliadhna sin, ach fhuair Mìcheil fios air mar a bha ’m Pàp fhéin a’ faotainn a mach an latha. Ciamar a phill Mìcheil cha-n ’eil eachdraidh ag ìnnseadh. [Beurla] [TD 53] [Beurla] [TD 54] THE GOOD HOUSEWIFE AND HER NIGHT LABOURS. [Beurla] [TD 55] [Beurla] [TD 56] [Beurla] A Bhean Tighe mhath ’s Obair-Oidhche. Aon uair o’ cheanna nan cian bha bean fear fearainn no tuathanach beartach ’s an oidhche, mar a b’ àbhaist do mhnathan cùramach ’s an am, an déighinn do dh’ fhear an tighe ’s do’n teaghlach’ gabhail gu thàmh’, ’deanamh clò air an son. Air dhith bhi sgìth agus ro chlaoidhte leis an obair thuirt i: “O nach digeadh o thalamh no o chuan, o chian no o làimh aon neach a chuidicheadh mise ’dheanamh a’ chlò so.” Cha luaithe ’bhruidhinn i na chual i bualadh ’s an dorus ’s guth ag éibheach ann an cainnt choimhich a thuig i ’bha cialleachadh’: “Innaraidh Mhòr Mhath Bhean-an-Tighe Fosgail an dorus dhomh ’s cho fad sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.” Dh’ éirich i ’s nar dh’ fhosgail i ’n dorus thàinig bean choimheach ann an deise ciar-uaine stigh seachad oirre ’s shuidh i aig a’ chuibheal-shnìomh. Cha bu luatha rinn i sin [TD 57] [Beurla] [TD 58] na thàinig buille na bu chruaidhe do’n dorus ’s éibheach ’s na ceart fhacail: “Ionnaraidh Mhòr Mhaith Bhean-an-Tighe Fosgail an dorus ’s co fad ’s a mhaireas dhomhsa gheibh thusa.” Nar fhreagair Bean an tighe, thainig té eile neo-shaoghalta stigh ’s ghabh i thun na cuigeil. Sin thàinig buille mòran na bu chruaidhe ’s guth na b’ àirde ag iarraidh stigh ’s a’ tairgsinn cuideachaidh. Nar dh’fhosgladh an dorus thàinig ban-choigreach eile stigh ’s shuidh i ’chàrdadh. Buileach thòisich ise air obair thàinig bualadh na b’ doirbhe do’n dorus ’s guth a’ glaodhaich: “Ionnaraidh Mhòr Mhaith Bhean-an-Tighe Fosgail an dorus gu luath ’s co fad ’s a mhaireas dhomhsa gheibh thusa.” Nar chaidh an dorus fhosgladh shnàmh té iongantach eile, ’n a deise, ’s na coltas mar bha càch, stigh, ’s dar fhuair i àite suidhe thòisich i air cìreadh cloimhe. Sin thàinig an ath-té le barrachd stairirich ’s nar fhuair i stigh thòisich i air tlamadh. Bha iad a-nis a’ tighinn na bu chaise ’s na bu luaithe aon as déighinn aoin le farum ’s gleadhraich na bu mhotha ’s na b’ àirde gus an robh an tigh loma làn diu ’s iad uile an greim. Thòisich an sin an obair da-ríreadh, cìreadh, càrdadh, tarruing tlamadh, cuigealadh, shnìomh bheart-fhighe gu [TD 59] [Beurla] [TD 60] luath, luath, ’s am bùrn luadh mu ’n teine, ’s chluinnte srannail na cuibhle, spreagail nan càrd, dìosgail na cuigealach ’s sùrd na beart-fhighe cian air astar. Dh’ fheuch Bean an tighe mhaith, mar b’ fheàrr b’ urrainn di ri tàmh a chur air an ùpraid ’s pailteas bithidh ’chumail riu gus ’m faicear ’s ’n cluinnteadh am fallus a’ tuiteam bho h-aodann le slad air an ùrlar. Ach cha chumadh an domhan biadh riu, mar b’ fhaide ’s an oidhche thàinig e ’s ann bu mhotha dh’ iarradh iad, ’s cha bu mhotha an obair na na dh’ fheumadh iad. Aig a ’mheadhon oidhche bha ’bhean-tighe chòir thun tuiteam le saothair obair. Dh’ fheuch i sin ri fear-an-tighe dhùsgadh ach cha b’ urrainn dhith. Bha e co maith feuchain ri clach-mhuilinn a charachadh, cha ghluaisadh ’s cha bhruidhneadh e, ge do chàireadh ’s a ghlaodhadh i fhathast ris. Nar dh’ fhairslich e oirre ’s nach robh fhios aice de dheanamh i, smaontich i dol air son comhairle gu sean duine glic air a’ bhaile. Dh’ fhàg i ’chuideachd neo-thlachdmhor’ aig a’ chuid mo dheireadh de’n deasacha’ rinn i dhoibh, shlip i mach ’s ràinig i an duine glic ’s dh’ innis i dha an dragh’ bh’ oirre ’s mar nach dùisgeadh fear an tighe. Thug esan achmhasan dhi air son a cion-mhothuchaidh ann a bhi’g iarraidh cuideachaidh neo-shaoghalta, ’s thuirt e rithe: “Co fad ’sa ’s beò thu na cur romhad, na [TD 61] [Beurla] [TD 62] iarr ’s na guidh air son ní mi-dhealbach no mi-cheudach eagal ’s gu faigh thu t-òrdugh ’s gu’n toir thu sgiorram ort fhéin. Thàinig na daoine ’s cha chuir saothair bruidhne air falbh iad. Tha Fear an Tighe fo gheusaibh ’s mu’n dùisg e feumaidh a’ mhuinntir neo-cheadaichte, a ghuidh thu fhéin air an son, an tigh fhàgail ’s beagan de’n bhùrn luaidh a chaitheadh air.” Dh’fharraid i sin de ’n doibh air ’m faigheadh i na daoine fuadain air falbh, ’s thuirt an sean duine rithe, tilleadh dhachaidh, ’s seasamh air an dùn aig dorus an tighe ’s glaodhach àird a cinn, trì uairean gun robh Dùn Bhurg ’n a theine. Thi’geadh a’ chuideachd an sin a mach le réis dh’ fhaicinn an t-seallaidh iad fhéin ’s dar gheibheadh i taobh a mach an tighe iad ’s an dorus druidte orra, bha i ri car tuathail tarsuinn no car muiltein a chur ’s a’h-uile nì bha iad ag obair leis. Thill i leis an fhiosrachadh a fhuair i, ’s nar ràinig i’n cnoc mu choineamh an dorus ghlaodh i co searbh ’s co cruaidh ’s gu’n cluinneadh feaghainn a b’ fhaid’ air astar na bha na beachd i “Tha teine an Dùn Bhurg.” “Dùn Bhurg ri theine.” “Dùn Bhurg ’n a lasair dheirg.” Mu ’n do chrìochnaich i an glaodh corranach bha ’chuideachd shìth mach as an tigh ’n an sradaichean, a’ mùchadh ’s a’ saltairt air a chéile feuch co aca bhiodh air thoiseach ann ’s an [TD 63] [Beurla] [TD 64] “Holovohorhe” bha aca’ ruigheachd an doruis ’s iad ag éibheach— “Mo bhean ’s mo phàisdean Mu chaise ’s mo ghogan ime Mo mhic’ s mo nigheanan ’S mo chisteachan mòra mine Mo chìr ’s mo chàrdan An snàmh ’s a’ chuigeal Mo bhò ’s a’ bhuarach ’S na cuachan bainne Eich ’s na h-iallan Cliabhan ’s cinnean ’S an talamh ’cur roimhe M’ uird ’s m’ innean Dùn Bhurg ri theine ’S ma loisgear Dùn Bhurg Loisgear mo mhùirn ’S mo mhireadh.” —h-uile aon riabh dhiu’ ’caoidh rud a b’ fheàrr ’s a b’ fhiù leo ’chaidh fhàgail ’s an Dùn. ’Nar fhuair a’ Bhean-tighe gu’n robh iad taobh muigh an doruis chaidh i stigh air an cùl-thaobh co luath ’s b’ urrainn dhi ’s dhùin ’s chrann i ’n dorus orra, ’s mar a dhearbar rithe chur i air aimhreidh a h-uile sian air an robh na daoine ’s na mnathan còire ag obair. Thug i ’bhann bhàrr na cuibhle, chur i car ’s a’ chuigeil, na càrdan còmhla ’n àite bhi cas mu seach, caramuiltein don bheart-fhighe, am bùrn luaidh bhàrr an teine, ’s mar sin a sìos. ’S gann a bha i ullamh dheth so ’s i air tòiseachadh air deasa- [TD 65] [Beurla] [TD 66] chadh do mhuinntir an tighe na thill na Daoine Còire air ais ag iarraidh stigh ’s ag éibheach: “Ionnaraidh Mhòr Mhaith Bhean-an-Tighe, Leig astigh sinn.” “Cha’n urrainn mi,” ors ise, “’s mo làmhan ’s an taois.” Sin ghlaoidh iad ris a chuibhle: “’Chuibheal mhaith éirich ’s fosgail an dorus dhuinn.” “Ciamar dh’ fheudas mi,” ors’ a’ chuibheal, “’s mi gun bhann.” Rinn iad an sin diùras ris a’ chuigeil: “’Chuigeal ullamh, ealamh, Fosgal an dorus dhuinn.” “’S mise gu’n deanadh,” ors’ a’chuigeal, “mar biodh car annam.” Thuirt iad a nis ris na càrdan an dorus fhosgladh. “Dheanamaide sin gle thoillichte na’m biodh comas nan cas againn.” Thug iad sin an aire don bheart-fhighe ’s nach diùltadh i iad. Thuirt a’ bheart-fhighe gu’n deanadh mur biodh i car a muiltein. Bhriodail iad a nis air a’ bhùrn-luaidh an leigeil stigh ag radhainn ris. “Bhùrn luaidh nach fhosgail thu ’n dorus?” “Cha’n urrainn mi ’s mi bhàrr an teine,” ors am bùrn luaidh. Bha iad thun toirt thairis ’s a’ fàs neo- [TD 67] [Beurla] [TD 68] faighidneach ’s air a cheann mu dheire thug iad an aghaidh, ’s rinn iad an gearan ris a bhonnach bheag a’ bha’g a bhruich air leac an teintein ’s thuirt iad ris: “’Bhonnaich bhig an àigh fosgail an dorus gu grad ’s cabhag oirnn.” Dh’ éirich am bonnach beag ’s thug e ’n dorus air co luath sa b’ urrainn da ach bha ’Bhean-tighe na h-earalas. Air a dhéighim ghabh i ’s rug i air ’s thug i gomag as ’s an àite ruigheachd gu snec an doruis ’s ann thuit e ’n a spleog air an ùrlar. Bho nach robh dòigh no dealbh tuilleadh aca air faighinn a stigh ghabh iad le dùrachd an sàs am Fear-an-Tighe ’s b’e cheann a b’ aon bhall coise caol ’s iomain dhoibh gus an àite bhi trom an d’ fhàs e cho aotrom ri iteag. Mar nach gabhadh an horo fulang na b’ fhaide chuimhuich a’ Bhean-Tighe mar dh’ iarraidh oirre dheanamh leis a’ bhùrn luaidh ’s thog i làn cuaiche ’s thilg i tharis air Fear-an-Tighe e. Dhùisg esan gun dàil. Bha an t-am aige. Dh’ éirich e ’s dh’ fhosgail e ’n dorus ’s sguir an ùpraid. [Beurla] [TD 69-70] [Beurla] [TD 71-72] THE FAIRIES’ HILL. [Beurla] [TD 73-75] THE SKULL IN SADDELL CHURCH AND THE SERVING GIRL. [Beurla] [TD 76-78] TRADITIONS OF THE BRUCE. RELATED BY PETER MACINTOSH, ESQ. [Beurla le beagan Ghàidhlig na lùib] [TD 79-81] THE STAG-HAUNTED STREAM. [Beurla] [TD 82-83] THE QUESTIONS PUT BY FINN TO THE MAIDEN, AND HER ANSWERS. [Beurla] [TD 84-96] THE WAR DRESS OF THE CELT. [Beurla] [TD 97-98] THE ARMED HIGHLANDERS OF THE 17TH AND 18TH CENTURIES, WITH REMARKS ON THE FIGHTING POWER AND STRENGTH OF THE CLANS. [Beurla]