[DA 1] POPULAR TALES OF THE WEST HIGHLANDS [DA 2] [Blank] [DA 3] POPULAR TALES OF THE WEST HIGHLANDS ORALLY COLLECTED With a Translation BY THE LATE J. F. CAMPBELL NEW EDITION (Under the auspices of the Islay Association) VOLUME III. ALEXANDER GARDNER Publisher to Her Majesty the Queen PAISLEY; AND PATERNOSTER SQUARE, LONDON 1892 [DA 4] [Blank] [DA 5-11] CONTENTS. [Beurla] [DA 12] [Blank] [DA 13] LIST OF ILLUSTRATIONS. [Beurla] [DA 14] [Blank] [TD 9-31] POPULAR TALES OF THE WEST HIGHLANDS. LVII. THE RIDER OF GRIANAIG, AND IAIN THE SOLDIERS’S SON. From Donald MacNiven, a lame carrier. Bowmore, Islay, 5th July, 1859. Written down by Hector MacLean. [Beurla] [TD 32] [Beurla] RIDIRE GHRIANAIG. BHA aig Ridire Ghrianaig (1) tri nigheanan, nach robh ’n leithid ra fhaotainn, na ra fhaicinn an aite sam bith. Thainig beisd o’n chuan, ’s thug i leath’ eud, ’s cha robh fios de ’n rathad a ghabh eud, na cait an racht’ a ’n iarraidh. Bha saighdear anns a bhaile, ’s bha tri mic aige, ’s an am na Nollaig (2) bha eud aig iomain, ’s thuirt am fear a b-oige gun rachadh eud agus gun cuireadh eud bair, air leuna ridire Ghrianaig. Thuirt cach nach rachadh, nach biodh an ridire toilichte, gun biodh siod a toirt na chuimhne call a chloinne, ’s a cuir duilichinn air. “Biodh sinn ’s a roghainn da,” urs’ Iain am mac a b-oige, “ach theid sinn ann, ’s bheìr sinn baìr, tha mise com’ airson ridire Ghrianaig biodh e buidheach na diombach.” Chaidh eud a dh’ iomain ’s bhuidhinn Iain tri bairean air a bhraithrean. Chuir an ridire cheann a mach air uinneig, ’s chunnaic e eud aig iomain, ’s ghabh e corruich mhor, gun robh chridh’ aig h-aon sam bith dol a dh’ iomain air a leuna, ni bha toirt call a chloinne na chuimhne, ’s a cuir miothlachd air. Thuìrt e ra bhean. “Co tha cho miobhail ’s a bhi’ g iomain air mo ghrunndsa toirt call mo chloinne ’m chuimhne! biodh eud air an toirt an so, a thiotamh, ’s gun rachadh peanas a dheanadh orra.” Chaidh na triuir ghillean a thoirt an lathair an ridire, ’s bha eud nan gillean gasda. [TD 33] “De thug dhiubh,” urs’ an ridire, “bhì cho miobhail ’s dol a dh’ iomain air a ghrunnd agams’, toirt call mo chloinne ’m chuimhne! Feumaidh sibh peanas fhuileann air a shonn.” “Cha n ann mur sin a bhitheas,” urs’ Iain, “ach o’n thuit duinne tigh ’n cearr ort, ’s fhearra dhuit fardrach de long a dheanadh dhuinn, agus folbhaidh sinn a dh’ iarraidh do nigheanan; ’s ma tha eud fo ’n fhiorrachd na fo ’n fhuarrachd, na fo cheithir rannan ruagh’ an domhain, (3) gheobh sinn’ a mach eud, ma ’n d’ thig ceann lath’ a ’s bliadhna, ’s bheir sinn air an ais eud do Ghrianaig.” “Gad is tu ’s oige, ’s ann a ’d cheann a tha chomhairl’ a ’s fhearr. Bidh sinn air a dheanadh dhuibh.” Fhuaireadh saoir, ’s bha long air a deanadh ann an seachd lathan. Chuir eud a stigh biadh is deoch mar dh’ fheumadh eud airson an turais. Thug eud a h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir, ’s dh’ fholbh eud ’s ann an seachd laithean rainig eud traigh gheal ghainbheich, agus nur a chaidh eud air tir bha se fir dheug ag obair ann an aodann creige blastadh, ’s uachdaran orra. “De ’n t-aite tha ’n so?” ursa ’n sgiobair. “So ’n t-aite bheil clann ridire Ghrianaig. Tha eud ri bhi posd’ air tri famhairean.” “De ’n doigh air faotainn far a bheil eud?” “Cha ’n ’eil doigh sam bith ach dol suas anns a chliabh so ri aodann na creige.” Chaidh am mac a bu shine anns a chliabh, ’s nur a bha e shuas aig leith na creige thainig fitheach gearr dugh, ’s thoisich e air le a inean ,’s le a sgiathan, gus nach mor nach d’ fhag e dall bodhar e. (4) Cha robh aig ach tilleadh air ais. Chaidh an darna fear sa chliabh, ’s nur a bha e shuas leith an rathaid, thainigh am fitheach gearr dugh ’s thoisich e air, ’s cha robh aig ach tilleadh air ais mur a rinn am fear eile. Chaidh Iain ma dheireadh sa cliabh. Nur a bha e shuas leith an rathaid, thainig am fitheach gearr dugh, ’s thoisich e air, ’s ghread e ma ’n aodann. “Suas mi gu clis,” urs’ esan, “ma ’m bi mi dall an so.” Chuireadh a suas e gu braigh na creige. Nur a bha e shuas thainig am fitheach far an robh e, ’s thuirt e ris. “An d’ thoir thu dhomh greim thombaca?” “A dhaoar shlaightire! ’s beag comain agad orm airson sin a thoirt duit.” “Na biodh amhail agad da sin bidh mise ’m charaid math [TD 34] dhuit. Nis theid thu do thigh an fhamhair mhoir, ’s chi thu nighean an ridire fuaghal, ’s a meuran fliuch le deoir.” Ghabh e air aghaidh gus an d’ rainig e tigh an fhamhair. Chaidh e stigh. Bha nighean an ridire fuaghal. “De thug an so thu?” urs’ ise. “De thug thu fein ann nach fhaodainnsa tigh’n ann?” “Thugadh mis’ ann gun taing.” “Tha fios agam air an sin. Ca bheil am famhair?” “Tha e sa bheinn sheilg.” “De ’n doigh air fhaotainn dachaidh?” “An t-slabhraidh chomhrag ud a mach a chrathadh ’s cha n ’eil san fhiorrachd, na ’s an fhuarrachd, na ’n ceithir rannan ruagh’ an domhain, h-aon a chumas comhrag ris, ach Iain og Mac an t-Saighdeir, a Albainn, ’s cha n ’eil e ach se bliadhn’ deug a dh’ aois ’s tha e tuillidh a ’s og a dhol a chomhrag ris an fhamhair.” “Tha iomadh h-aon an Albainn cho laidir ri Iain Mac an t-Saighdeir, gad a bhiodh an saighdear leis.” Chaidh e mach. Thug e tarruinn air an t-slabhraidh, ’s cha d’ thug e car aisde, ’s chaidh e air a ghlun. Dh’ eiridh e suas, thug e ’n ath chrathadh air an t-slabhraidh, ’s bhrisd e tein’ innte. Chual am famhair sa bheinn sheilg e. “Aha!” urs’ esan, “co b-urrainn mo shlabhraidh chomhraigs’ a charachadh, ach Iain og Mac an t-saighdeir e Albainn, ’s cha n ’eil e ach se bliadhn’ deug a dh’ aois, tha e ra og fhathasd.” Chuir am famhair an t-sitheann air gad, ’s thainig e dhachaidh. “An tuasa Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn?” “Cha mhi.” “Co thu, san fhiorrachd, na san fhuarrachd, na ’n ceithir ranna ruagh’ an domhain, a b’ urrainn mo shlabhraidhs’ charachadh ach Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn?” “Tha iomadh h-aon an Albainn, cho laidir ri Iain og Mac an t-saighdear, ged a bhiodh an saighdear leis.” “Tha siod san fhaidheadairachd agamsa.” “Coma leam de tha san fhaidheadaireachd agadsa.” “De ’n doigh air am math leat thu fhé’ fheuchainn?” “Nur a bhithinn fhé ’s mo mhathair thar a cheile, ’s a bhiodh toil agam mo thoil fhé fhaotainn; ’s ann an snaomannan cruaidhe carachd a bhitheamaid a feuchainn, ’s aon uair a gheobhadh i chuid a b’ fhearr, ’s da uair nach fhaigheadh.” [TD 35] Rug eud air a cheile, ’s bha greimeannan cruaidh’ aca, ’s chuir am famhair Iain air a ghlun. “Tha mi faicinn,” urs’ Iain, “gur tu ’s laidireacha.” “Tha fios gur mi,” urs’ am famhair. Chaidh eud an dail a cheile rithisd, bha eud a caradh, ’s a tarruinn a cheile. Bhuail Iain a chas air an fhamhair sa mhuthairle, ’s chuir e air slaitidh a dhroma, foidhe air a ghrunnd e. Ghuidh e gum biodh am fitheach aige. Thainig am fitheach gearr dugh, ’s ghabh do ’n fhamhair ’s an aodann, ’s ma na cluasan, le a inean, ’s le a sgiathan, gus an do dhall, ’s an do bhodhair e e. “Am bheil tarrunn airm agad a bheir an ceann de ’n bheisd?” “Cha n ’eil.” “Cuir do lamh fo m’ sgeith dheis-sa, ’s gheobh thu corc bheag bhiorach ann, a bhios agam a buain nam braonanan, ’s thoir an ceann deth.” Chuir e lamh fo bhun sgeith’ dheis an fhithich ’s fhuair e chorc ’s thug e ’n ceann de ’n fhamhair. “Nis Iain theid thu stigh far am bheil nighean mhor ridire Ghrianaig ’s bidh i ’g iarraidh ort tilleadh, ’s gun dol na ’s fhaide, ach na d’ thoir thusa feairt, ach gabh air t-aghaidh, ’s ruigidh thu ’n nighean mheadhonach, ’s bheir thu dhomhsa greim thombaca.” “Bheir mi sin duit gu dearbh ’s math a choisinn thu e, gheobh thu leth ’s na th’ agam.” “Cha ’n fhaigh gu dearbh; ’s iomadh la fada gu bealtainn.” “Cha lig am fortan gam bi mìs’ an so gu Bealtainn.” Tha fiòs agad air na tha seachad, ach cha ’n ’eil fiòs agad air na tha romhad. Faigh uisge blath, glann thu fein ann. Gheobh thu ballan iocshlaint as cionn an doruisd, rub ri ’d chraiceann e, theirig a laidhe leat fhé’, ’s bidh thu gu slan fallan am maireach, ’s am maireach gabhaidh tu air t-aghaidh gu tigh na h-ath te. Chaidh e stigh ’s rinn e mar a dh’ iarr am fitheach air. Chaidh e laidhe ’n oidhche sin, ’s bha e gu slan fallain, sa mhaidinn, nur a dh’ eirich e. “’S fhearra dhuit,” ursa nighean mhor an ridire, “gun dol na ’s fhaide, ’s gun thu fhé’ chur an tuillidh cunnairt, tha na leoir de dh’ or ’s de’ dh’ airgiod an so, ’s bheir sinne leinn ’s tillidh sinn.” “Cha dean mi sin,” urs’ esan, “gabhaidh mi air m’ aghaidh.” Ghabh e air aghaidh gus an d’ thainige gus an tigh an robh nighean mheadhonach ridire Ghrianaig. Chaidh e stigh, ’s bha ise na suidhe fuaghal, ’s i caoineadh, ’s a meuran fliuch le a deoir. “De thug thusa ’n so?” [TD 36] “De thug thu fhe ann nach fhaodainnsa tigh ’n ann?” “Thugadh mise gun taing ann.” “Tha fiosam air an sin, de chuir a caoineadh thu?” “Cha ’n ’eil ach aon oidhch’ agam gus am feum mi bhi posd’ air an fhamhair.” Ca bheil am famhair? “Tha ’s a bheinn sheilg.” “De n doigh air fhaotainn dhachaidh?” “An t-slabhraidh chomhraig sinn a mach taobh an tigh chrathadh, ’s cha n ’eil e ’s an fhiorrachd, na san fhuarrachd, na ’n ceithir rannan ruagh an domhain, na chrathas i, ach Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn, ’s tha e ra og fhathasd; cha ’n ’eil e ach se bliadhna deug dh’ aois.” “Tha daoin’ an Albainn, cho laidir ri Iain og Mac an t-saighdear, gad a bhiodh an saighdear leis.” Chaidh e mach ’s thug e tarruinn air an t-slabhraidh, ’s thainig e air a dha ghlun. Dh’ eiridh e ’s thug e n’ ath tarruinn urra, ’s bhrisd e tri teineachanan. Chual am famhair siod ’sa beinn sheilg. “Aha!” urs esan, ’s chuir e ’n t-sitheann air gad air a ghuallainn, ’s thainig e dhachaidh. “Co b’ urrainn mo shlabhraidh chomhragsa charachadh ach Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn, ’s tha e ra og fhathasd; cha n ’eil e ach se bliadhn’ deug a dh’ aois.” “Tha daoin’ ann an Albainn cho laidir ri Iain og Mac an t-saìghdeir, gad a bhiodh an saighdear leis.” “Tha siod anns an fhaidheadaireachd againne.” “Tha mise coma de th’ anns an fhaidheadaireachd agaibhse.” “De ’n doigh air am math leat thu fhein fheuchainn?” “Ann an cruaidh ghreimeannan carachd.” Rug eud air a cheile ’s chuir am famhair air a dha ghlun e. “’S leat mo bheath,” urs’ Iain, “’s tu ’s treise na mise. Feuchamaid car eile.” Dh’ fheuch eud a cheile rithist ’s bhual Iain a shàil air an fhamhair sa mhuthairle, ’s chuir e air slaitidh a dhrom’ air ghrunnd e. “Fhithich,” urs’ esan, “bu math dallanach dhiot a nis.” Thainig am fitheach, agus dhall agus bhodhair e ’m famhair, a gabhail da le a ghob, ’s le a inean, ’s le a sgiathan. “A bheil tarrunn airm agad?” “Cha ’n eil.” “Cuir do lamh aig bun mo sgeithe deise-sa, ’s gheobh thu ann [TD 37] corc bheag bhiorach a bhiòs agam a buain nam braonanan, ’s thoir an ceann deth.” Chuir e lamh fo bhun sgeithe dheis an fhithich, fhuair e chorc, ’s thug e ’n ceann de ’n fhamhair. “Nis theid thu stigh, glanaidh thu thu fein le uisge blath, gheobh thu ’m ballan iochslaint, rubaidh tu ruit fhé e, theid thu laidhe, ’s bidh thu gu slan fallan am maireach. Bidh i so gun taing, na ’s seoltacha, ’s na ’s beulaiche, na bha ’n te roimhid, aig iarraidh ort tilleadh, ’s gun dol na ’s fhaide, ach na d’ thobhair thusa feairt urra, ’s bheir thu dhomhsa greim thombaca.” “Bheithir mi, dearbh ’s airidh air thu.” Chaidh e stigh ’s rinn mar a dh’ iarr am fitheach air. Nur a dh’ eiridh e ’n la’r na mhaireach bha e gu slan fallan. “’S fhearra dhuit ursa nighean mheadonach an ridire, tilleadh ’s gun thu fhé chur ann an tuillidh cunnairt, tha na leoir de dh’ or, s do dh’ airgiod an so.” “Cha dean mi sin gabhaidh mi air m’ aghaidh.” Ghabh e air aghaidh gus an d’ thainig e gus an tigh anns an robh nighean bheag an ridire, chaidh e stigh, ’s channaic e ise fuaghal ’s a meuran fliuch le deoir. “De thug thusa ’n so?” “De thug thu fhe’ ann nach fhaotainnsa tigh’n ann?” “Thugadh mis’ ann gun taing.” “Tha fhios’am air an sin.” “An tu Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn?” “’S mi, de ’s ciall duit a bhi caoineadh?” “Cha n ’eil agam dàil gun laidhe leis an fhamhair, ach an oidhche so.” “Ca bheil e?” “Tha e ’sa bheinn sheilg.” “De ’n doigh an’ air a thoirt dachaidh?” “An t-slabhraidh chomhraig ud a mach a chrathadh.” Chaidh e mach ’s thug e crathadh urra, ’s thainig e nuas air a mhasan. Dh’ eirid e rithisd ’s thug e ’n ath chrathadh urra ’s bhrisd e ceithir teineachan innte, ’s rinn e toirm mhor. Chual am famhair siud sa bheinn sheilg. Chuir e ’n gad sithinn air a ghuallainn. “Co ’s an fhiarrachd, na san fhuarrachd, na ’n ceithir rannan ruagh an domhain a b’ urrainn mo shlabhraidh chomhragsa chrathadh, ach Iain og, Mac an t-saighdeir a Albainn, ’s ma ’s e th’ ann tha mo dha bhrathairsa marbh roimhe so.” [TD 38] Thainig e dhachaidh na dheann, a cuir an talamh air chrith roimhe ’s na dheigh. “An tu Iain og Mac an t-saighdeir?” “Cha mhi.” “Co tha san fhiorrachd, na san fhuarrachd, na ’n ceithir rannan ruagh’ an domhain, a b’ urrainn mo shlabhraidh chomhragsa chrathadh ach Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn ’s tha e ra og fhathasd; cha n ’eil e ach se bliadhn’ deug a dh’ aois.” “Nach iomadh h-aon an Albainn cho laidir ri Iain og Mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.” “Cha n ’eil e san fhaidheadaireachd againne.” “Coma leam de tha san fhaidheadaireachd aghaibhse.” “De n doigh air am math leat t-fheuchainn?” “Snaomannan cruaidhe carachd.” Ghlac eud a cheile ’s chuir am famhair air a thoin e. “Lig as mi ’s leat mo bheatha.” Rug eud air a cheile rithisd, bhuail e shàil air an fhamhair sa mhuthairle, ’s leag e air e fras mhullach a ghuaille ’s air slaitith a dhrom’ air an lar e. “Fhithich ghearr dhuigh, na’m biodh thu ’n so anis.” Cha bu luaithe ’thuirt e a ’m facal, na thainig am fitheach. Leadair e ’m famhair ma ’n aodann, ’s ma na suilean, ’s ma na cluasan, le a ghob, ’s le a inean, ’s le a sgiathan. “A bheil tarrunn airm agad.” “Cha n ’eil.” “Cuir do lamh fo bhun mo sgeith dheis ’s gheobh thu corc bheag bhiorach ann a bhios agam a buain nam braoilleanan ’s thoir an ceann deth.” Rinn e siod. “Nis urs’ am fitheach gabh fois mar a rinn thu, ’n rair, ’s nur a thilleas thu le tri nigheanan an ridire gu bearradh na creige, theid thu fhé sios an toiseach, ’s theid eudsan sìos a ’d dheigh, ’s bheir thu dhomhsa greim thombaca.” “Bheir gu dearbh ’s math a ’s airidh air thu; so dhuit air fad e.” “Cha gabh mi ach greim, is iomadh la fada gu Bealtainn.” “Tha fiòs agad de th’ as do dheigh, ach cha n ’eil fios agad de tha romhad.” An la r na mhaireach chuir eud an ordugh asaicheann, ’s chuir eud air am muin an t-or ’s an t-airgiod a bh’ aig na famhairean, ’s rainig e fein agus tri nigheanan an ridire bearradh na creige. Nur a rainig eud bearradh na creige, ’n earalas gun tachradh [TD 39] tapadhcion do ghin de na nigheanan, chuir e sios eud te an deigh te, anns a chliabh. Bha tri ceapannan (6) oir orra air an deanadh suas gu gasda le daoimean, ceapannan a rinneadh ann ’s an Roimh, ’s nach robh ’n leithidean ra fhaotainn anns an domhan. Ghleidh e bhos an ceap a bh’ air an te b’ oige. Bha e feitheamh, ’s a feitheamh, ’s gad a bhiodh e feitheamh fhathasd, cha d’ thigeadh an cliabh a nios a iarraidh. Chaidh cach air bord, ’s air folbh a ghabh eud, gus an d’ rainig eud Grianaig. Bha esan air fhagail an siod, ’s gun doigh aig air faotainn as an aite. Thainig am fitheach far an robh e. “Cha do ghabh thu mo chomhairle.” “Cha do ghabh; na ’n gabhadh cha bhithinn mar a tha mi.” “Cha n ’eil arach air Iain, an t-aon nach gabh comhairle gabhaidh e comhrag. Bheir thu dhomhsa greim thombaca.” “Bheir.” “Ruigidh thu tigh an fhamhair agus fanaidh thu ann an nochd.” “Nach fhan thu fhé leam a chur dhiom mo chianalais.” “Cha ’n fhan; cha fhreagair e dhomh.” “An la r na mhaireach thainig am fitheach far an robh e.” “Theid thu nis gu stabull an fhamhair, agus ma bhios thu tapaidh tha steud an sin a ’s coingeis leatha muir na tir, a dh’ fhaodas do thoirt as na càsan so.” Dh’ fholbh eud comhla ’s thainig eud gus an stabull. Stabull cloich’ air a chlaghach a stigh ann an creig, agus dorusd cloiche ris. Bha ’n dorusd a clapail gun stad, air ais ’s air aghaidh, o mhoch latha gu h-oidhche, ’s o oidhche gu latha. “Feumaidh tu nis faire,” urs’ am fitheach, agus cothrom a ghabhail feuch an dean thu dheth dol a stigh nur a bhios e fosgailt gun e dheanadh greim ort.” “’S fhearra dhuits’ fheuchainn an toiseach o ’n a ’s tu ’s eolaiche.” “Bidh e cho math.” “Thug am fitheach beic, agus godarleum (7) as ’s chaidh e stigh, ach thug an dorusd it’ e bun a sgeith, ’s sgreuch e. “Iain bhochd na ’m faigheadh thusa ’stigh cho beag doruinn riumsa, cha bhithinn a gearan.” Ghabh Iain roid air ais, ’s roid air aghaidh, thug e leam as a dhol a stigh, rug an dorusd air ’s thug e leith a mhais deth. Ghlaoidh Iain, ’s thuit e fuar marbh air urlar an stabuill (8). Thog am fitheach e, ’s ghiulain e e air barraibh a sgeith, mach as [TD 40] an stabull, do thigh an fhamhair. Leag e air bord air a bheul ’s air a shroin, chaidh e mach, chruinnich e luigheannan, ’s rinn e ceirean a chuir e ris, ’s ann an deich laithean, bha e cho math sa bha e riabh. Chaidh e mach a dhol a ghabhail sraid, ’s chaidh am fitheach a mach leis. “Nis Iain gabhaidh thu mo chomhairle, ’s cha ghabh thu ionghantas de ni sam bith a chi thu feadh an eilean, ’s bheir thu dhomhsa greim thombaca.” Bha e spaisdireachd feadh an eilein, ’s a dol romh ghleann; chunnaic e tri lan laoich na ’n sineadh air an driom, sleagh air uchd a h-uile fir dhiu, ’s e na shioram suain chadail, ’s na lòn falais. “Their leam fhé gur deisneach so; de choire a bhiodh ann ’s na sleaghannan a thogail diu?” Chaidh e agus dh’ fhuasgail e dhiu na sleaghannan. Dhuisg na laoich, ’s dh’ eiridh eud a suas. “Fhianuis air an fhortan, ’s air daoine, gur tu Iain og Mac an t-saighdeir a Albainn, ’s gu bheil e mar gheasaibh art dol leinne romh cheann ma dheas an eilein so, seachad air uamh ’n iasgair dhuigh.” Dh’ fhalbh e fhe ’s na tri lan laoich, Chunnaic eud smuid chaol a mach a uamh. Chaidh eud gus an uamh. Chaidh h-aon de na laoich a stigh, ’s nur a chaidh e stigh bha cailleach an sin na suidhe, ’s an fhiacaill a bu lugha na beul dheanadh i dealg na h-uchd, lorg na laimh, agus maide brosnachaidh do ’n ghriosaich. Bha car da h-inean ma h-uilt, ’s car da falt liath ma lagharan, ’s cha robh i aobhach ri amhrac urra. Rug i air slachdan draoidheachd, bhuail i e ’s rinn i carragh maoi cloiche dheth. Bha ionghantas air an fheadhain a bha mach de chuir nach robh e tilleadh. “Theirig a stigh,” urs Iain ri fear eile, “’s aimhric de tha cumail do chompanaich.” Chaidh e stigh ’s rinn a chailleach air mar a rinn i air an fhear eile. Chaidh an treas fear a stigh ’s rinn i airsan mar a rinn i air cach. Chaidh Iain a stigh ma dheireadh. Bha cat mor claghann ruagh an sin, ’s chuir i bara de ’n luaith dhearg ma cloimhe an los a bhodhradh sa dhalladh. Bhuail e barr a chois urra, ’s chuir en t-ionachainn aisde. Thug e lamh air a chaillich. “Iain na dean. Tha na daoine sin fo gheasaibh agus airson na geasan a chur dhiu feumaidh tu dol do dh’ eilean nam ban [TD 41] mora, ’s botall de ’n uisge bheo, thoirt as, ’s nur a rubas thu riu e, folbhaidh na geasan ’s thig eud beo.” Thill Iain air ais fo dhuib thiamhas. “Cha do ghabh thu mo chomhairle,” urs’ am fitheach, “’s thug thu tuillidh dragh ort fein. Theid thu laidhe nochd, ’s nur a dh’ eireas thu maireach, bheir thu leat an steud, ’s bheir thu biadh is deoch dhi. ’S coingeis leatha muir na tir; ’s nur a ruigeas thu eilean nam ban mora, coinneachaidh se deug de ghille stabuill thu, ’s bidh eud air fad air son biadh a thoirt do ’n steud, sa cuir a stigh air do shon, ach na lig thusa dhaibh. Abair gun d’ thoir thu fhe’ biadh a’s deoch dhi. Nur a dh’ fhagas thu san stabull i, cuiridh a h-uile h-aon de ’n t-se deug car ’san iuchair, ach cuiridh thusa car an aghaidh h-uile car a chuireas eud ann. Bheir thu dhomhsa greim thomhaca.” “Bheir gu dearbh.” Chaidh e laidhe ’n oidhche sin, ’s anns a mhaidinn chuir e ’n steud an ordugh, ’s ghabh e air falbh. Thug e h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir, ’s dh’ fholbh i na deann, gus an d’ rainig eud eilean nam ban mora. Nur a chaidh e air tir, choinnich se gille deug stabuill e, ’s bha h-uile fear aig iarraidh a cuir a stigh s a biadhadh. “Cuiridh mi fhe’ stigh i, ’s bheir mi ’n aire dhi, cha d’ thoir mi do h-aon sam bith i.” Chuir e stigh i, ’s nur a thainig e mach chuir a h-uile fear car san iuchair, ’s chuir esan car an aghaidh h-uile car a chuir eud innte. Thuirt an steud ris gum biodh eud a tairgse h-uile seorsa deoch dha, ach gun esan a gabhail deoch sam bith uatha ach meug a ’s uisge. Chaidh e stigh ’s bha h-uile seorsa deoch ga chuir man cuairt an sin, ’s bha eud a tairgse gach seorsa dhasan, ach cha ghabhadh esan deur de dheoch sam bith ach meug a ’s uisge. Bha eudsan ag ol, ’s ag ol, gus an do thuit eud na ’n sineadh, man bhord. Dh’ iarr an steud airsan ma ’n do dhealaich i ris, e thoirt an aire ’s gun cadal, ’s a chothrom a ghabhail airson tigh ’n air folbh. Nur a chaidil eud s an thainig e mach as an t-seomhar, ’s chual e ’n aon cheol a bu bhinne chualas riabh. Ghabh e air aghaidh agus chual e ann an ait’ eile ceol moran na bu bhinne. Thainig e gu taobh staighreach ’s chual e ceol na bu bhinne ’s na bu bhinne agus thuit e na chadal. Bhrisd an steud a mach as an stabull, thainig i far an robh e, bhuail e cic air ’s dhuisg i e, “Cha do gabh thu mo chomhairl,” [TD 42] urs ise, “’s cha n’ eil fhios a nis am faigh thu do gnothach leat na nach fhaigh.” Dh’ eiridh e le duilichinn. Rug e air claidheamh soluisd a bha ’n oisein an t-seombair, s thug e na se cinn deug a mach. Rainig e ’n tobar, lion e botall ’s thill e. Choinnich an steud e, ’s thug e h-aghaidh ri muir ’s a cul ri tir, ’s thill e gus an eilean eile. Choinnich am fitheach e. “Folbhaidh thu agus stablachaidh thu ’n steud, ’s theid thu laidhe nochd, ’s am maireach theid thu agus bheir thu beo na laoich, ’s marbhaidh thu chailleach, ’s na bi cho amaideach am maireach ’s a bha thu roimhe so.” “Nach d’ thig thu leam a nochd a chur dhiom mo chianalais.” “Cha d’ thig cha fhreagair e domh.” An la’r na mhaireach rainig e’n uamh. “Failte dhuit Iain,” urs’ a chailleach. “Failte dhuits’ ach cha shlainte dhuit.” Chrath e’n t-uisg’ air na daoine, ’s dh’ eiridh eud beo; bhuail e bhas air a chaillich, a’s spread e ’n t-ionachainn aisde. Ghabh eud a mach, ’s chaidh eud gu ceann deas an eilean. Chunnaic eud an t-iasgair dugh an sin ag obair ra chuilbheartan. Tharruinn e bhas ’s bhuail e e, ’s spread e n t-ionachainn as, ’s thug e na laoich dhachaidh do cheann deas an eilean. Thainig am fitheach far an robh e. “Nis theid thu dhachaidh ’s bheir thu leat an steud; ’s coingeis leatha muir na tir. Tha tri nigheanan an ridire ri banais a bhi aca, dithisd ri bhi posd air do dha bhrathair, agus an te eile air a cheannabhart a bh’ air na daoin’ aig a chreig. Fagaidh tu ’n ceap agamsa, ’s cha bhi agad ach smaointeachadh orm, nur a bhios e dhith ort, ’s bidh mi agad. Ma dh’ fheorachas h-aon diot co as a thainig thu abair gun d’ thanaig thu as do dheigh; ’s ma their e riut ca’ bheil thu dol, abair gu bheil thu dol romhad.” Chaidh e air mninn na steud, thug e h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir, ’s air folbh a bha e ’s cha d’ rinneadh stad na fois leis gus an d’ rainig e ’n t-sean eaglais ann an Grianaig, ’s bha lòn feoir, an sin, agus tobar uisge, agus tom luchrach. Thainig e bhar na steud. “A nis,” urs’ an steud, “gabhaidh tu claidheamh, agus bheir thu ’n ceann diomsa.” “Cha d’ thobhair gu dearbh, bu duilich leam a dheanadh, ’s cha b’ e mo chomain e.” “Feumaidh tu dheanadh, ’s ann a th’ annamsa nighean og fo [TD 43] gheasaibh, ’s cha bhi na geasan dhiom gus an d’ thoirear an ceann diom. Bha mi fhe’ sam fitheach a suiridh, esan na ghill’ og, ’s mis’ am’ nighinn oig, ’s chuir na famhairean draoidheachd oirnn, ’s rinn eud fitheach dhethsan agu. steud dhiomsa.” “Tharruinn e chlaidheamh, thionndaidh e chul, ’s thug e ’n ceann dith le sgath bhuille, ’s dh’ fhag e ’n ceann sa chlosach an siod. Ghabh e air aghaidh. Choinnich cailleach e. “Co as a thanaig thu?” urs ise. “Thanaig mi as mo dheigh.” “Ca bheil thu dol?” “Tha mi dol romham.” “Sin freagairt fir caisteil.” “Freagairt gu math freagrach air cailleach mhiobhail mur a tha thusa.” Chaidh e stigh leatha ’s dh’iarr e deoch. Fhuair e siod. “Ca bheil t-fhear?” “Tha aig tigh an ridire aig iarraidh or is airgiod a ni ceap do nighean og an ridire, mar a th’ aig a peathrairchean, ’s gun leithid nan ceapannan ra fhaotainn an Albainn.” Thanaig an gobha dhachaidh. “De ’s ceaird duit oganaich?” “Tha mi ’m gobha.” “’S math sin, ’s gun cuideachadh thu leamsa ceap a dheanadh do nighean og an ridire, ’s i dol a phosadh.” “Nach ’eil fhios agad nach urrainn thu sin a dheanadh.” “’S eiginn feochainn ris, ma ’n an dean mi e bidh mi air mo chrochadh am maireach.” “So a ’s fhearra dhuit a dheanadh.” “Glais mise stigh ’s a cheardaich, gleidh an t-or ’s an t-airgiod, ’s bidh an ceap agamsa dhuit sa mhaidinn.” Ghlais an gobha stigh e. Ghuidh e ’m fitheach a bhi aige, Thainig am fitheach. Bhrisd e stigh romh ’n uinneag ’s bha ’n ceap leis. “Bheir thu ’n ceann dhiomsa nis.” “Bu duilich leam siu a dheanadh ’s cha b’ e mo chomain e.” “Feumaidh tu dheanadh ’s gill’ og fo gheasan mise, ’s cha bhi eud dhiom gus an d’ thig an ceann dhiom.” Tharruinn e chlaidheamh, ’s sgath e ’n ceann deth, ’s cha robh siod doirbh a dheanadh. Anns a mhaidinn thanaig an gobha ’stigh ’s thug e dha ’n ceap. Thuit e na chadal. Thainig oganach ciatach le falt donn a stigh, ’s dhuisg e. [TD 44] “S mise,” urs’ esan, “am fitheach, ’s tha na geasan a nis dhiom.” Choisich e leis sios far an d’ fhag e ’n steud marbh, ’s choinnich boireannach og an sin eud cho aluinn ’s a chunnaic suil riabh. “’S mis’ urs ise ’n steud ’s tha na geasan diom a nis.” Chaidh an gobha leis a cheap gu tigh an ridire. Thug an searbhant thun nighean og an ridire e, ’s thuirt i rithe gun robh ’n siod an ceap a rinn an gobha. Dh’ amhairc i air a cheap. “Cha d’ rinn e ’n ceap so riabh. Abair ris an t-slaightire bhreugach e thoirt an fhir a thug dha ’n ceap an so, air neo gum bi e air a chrochadh gun dàil.” Chaidh an gobha ’s fhuair e ’m fear a thug an ceap dha, ’s nur a chunnaic is’ e ghabh i boch mor. Chaidh a chuis a shoilleireachadh. Phos Iain agus nighean og an ridire, ’s chaidh cul a chur ri caeh, ’s cha ’n fhaigheadh eud na peathraichean eile. Chuireadh romh ’n bhail’ eud, le claidheamhannan maide, ’s le criosa guaille conlaich. [Dealbh] [Beurla] [TD 45] [Notes] [Beurla] [TD 46] [Under the following numbers I have grouped together a few traditions, etc., relating to the Campbell legend of Diarmaid and the boar.] LIX. FIONN’S QUESTIONS. From Donald MacPhie (smith), Breubhaig, Barra, 1860. [Beurla] CEISDEAN FHINN. [Seo na ceisdean. Fionn. Dé ’s lionaire na’m feur? Graidhne. Tha ’n druichd; bidh moran bhoineachan deth air aon ghas feoir.] Fionn. What is more plenteous than the grass? Graidhne. The dew; there will be many drops of it on one grass blade. [Dé ’s teotha na’n teine? Ciall mnatha eadar da fhear.] What is hotter than the fire? A woman’s reasoning betwixt two men. [TD 47] [Dé ’s luaithe na ghaoth? Aigne mnatha eadar da fhear.] What is swifter than the wind? A woman’s thought betwixt two men. [Dé ’s duibhe na ’m fitheach? Tha ’m bàs.] What is blacker than the raven? There is death. [Dé ’s gile na ’n sneachd? Tha ’n fhirinn.] What is whiter than the snow? There is the truth. [Dé ’s long ri gach luchd? Teanchair gobha; cumaidh i teith a’s fuar.] What is a ship for every cargo? A smith’s tongs; it will hold hot and cold. [Dé air nach gabh glas na slabhraidh cur? Rasg duine ma charaid; cha ghabh e dunadh na cumail ach ag amharc air.] What is it will not bide lock or chain? The eye of a man about his friend; it will not brook shutting or holding, but looking on him. [Dé ’s deirge na fuil? Gnuis duine choir nuair thigeadh coigrich an rathad ’s gun bhiadh aige ’bheireadh e dhaibh.] What is redder than blood? The face of a worthy man when strangers might come the way, and no meat by him to give to them. [Dé ’s géire na claidheamh? Athais namhaid.] What is sharper than a sword? The reproach of a foe. [TD 48] [Dé ’s fearr do bhiadh? Bleachd; thig iomadh atharrachadh as, niotar im a’s càise dheth, ’s beathachaidh e leanabh beag a’s seanduine.] What is the best of food? Milk; many a change comes out of it; butter and cheese are made of it, and it will feed a little child and an old man. [Dé ’s measa de bhiadh? Blianach.] What is the worst of meat? Lean flesh. [De ’n seud a’s fhearr? Sgian.] What is the best jewel? A knife. [Dé ’s brisge na cluaran? Briathran torc muice.] What is more brittle than the sow thistle? The words of a boar pig. [Dé ’s maoithe na cloimhteach? Dearn air an leaca.] What is softer than down? The palm on the cheek. [Dé ’n gniomh a’s fhearr de ghniomhabh? Gniomh ard a’s uaill iseal.] What deed is the best of deeds? A high deed and low conceit. [Beurla] [TD 49-54] LX. DIARMAID AND GRAINNE.* From Hector MacLean, July 6th, 1859. Told by an old man in Bowmore, Islay, Alexander Macalister. [Beurla] [TD 55] [Beurla] DIARMAID AGUS GRAINNE. BHA Fionn a dol a phosadh Ghrainne nighean righ Charmaig an Eirinn. Chruinneachadh maithibh agus mor uaislean na Feinne [TD 56] thun na bainse. Rinneadh cuirm mhor agus mhair a chuirm seachd lathan agus seachd oidhchean, agus nur a bha chuirm seachad chaidh an cuirm fhe’ dheanadh do na coin. Bha Diarmaid na dhuine fior ghasda ’s bha ball seirc air aodann ’s bha e cumail a churraichd daonnan a nuas air a bhall sheirc; chionn bean sam bith a chitheadh am ball seirc bhiodh i ann an gaol air. Chaidh na coin thar a cheile gu garbh ’s chaidh gaisgich na Feinn’ a’n cur o cheile agus nur a bha Diarmaid a cur nan con o cheile thug e togail air a churrachd ’s chunnaic Grainn’ am ball seirc agus bha i ann an trom ghaol air Diarmaid. Dh’ innis i do Dhiarmaid e ’s thuirt i ris. “Ruithidh thu air falbh leam.” “Cha dean mi sin,” ursa Diarmaid. “Tha mise cur mar ghuidhe ’s mar gheasaibh ort gun d’ theid thu lean.” “Cha d’ theid mi leat; cha ghabh mi ’m bog thu, ’s cha ghabh mi ’n cruaidh thu, cha ghabh mi muigh thu, ’s cha ghabh mi stigh thu, cha ghabh mi air each thu, ’s cha ghabh mi’d chois thu,” ars’ esan. Agus dh’ fholbh e le miochiataich, ’s chaidh do dh’ aite leathoireach, ’s chuir e suas tigh ann, ’s ghabh e comhmudh ann. Maidinn a bha ’n sin co ghlaoidh san dorusd ach Grainne, “A bheil thu stigh a Dhiarmaid?” “Tha.” “Thig a mach ’s folbh leam a nis.” “Nach d’ thubhairt mi riut cheana nach gabhainn a’ d’ chois thu, ’s nach gabhainn air each thu, nach gabhainn a muigh thu, ’s nach gabhainn a stigh thu, ’s nach biodh gnothach agam rint.” Bha is, eadar da bhith an doruisd air muinn boc goibhre. “Cha n-eil mi muigh cha n-eil mi stigh; cha n’ eil mi ’m chois ’s cha n-eil mi air each, ’s feumaidh tu dol leam,” ars’ ise. “Cha n’ eil ait an d’ theid sin nach fhaigh Fionn a mach sin nur a chuireas e lamh fo dheud fhiosach ’s marbhaidh e mis’ airson folbh leat.” “Theid sinn do Charraig, ’s tha do Charraigean ann ’s nach bi fios aige co’n te sam bi sinn.” Chaidh eud do Charraig an Daimh. Ghabh Fionn fearg nur a mhothaich e gun d’ fholbh a bhean, ’s chaidh e rurach air a son. Chaidh eud thairis do Chintire ’s cha deach stad air an cois, na fois air an ceum, gus an d’ ranaig eud Carraig an Daimh an Cintire lamh ri Cille Charmaig. Bha Diarmaid na shaor math, ’s bhiodh e deanadh shoithichean [TD 57] s aig iasgach, ’s bhiodh Grainn’ air folbh a creic nan soithichean, agus bha leab air leith aca. Latha bha ’n sin thanaig bodach mor cragach an rathad ris an abradh eud Ciofach Mac a Ghoill, ’s shuidh e, ’s bha e ’g imirt air dinnsirean. Ghabh Grainne taitneachd de ’n bhodach. Dh’ fhan e leatha ’s chuir eud an comhairle ra cheile gum marbhadh eud Diarmaid. Bha Diarmaid ag obair air soithichean. Thug am bodach lamh air, ’s thionndaidh e ris a bhodach, ’s chaidh eud an glacaibh a cheile. Bha ’m bodach gu math laidir; ach ma dheireadh chuir Diarmaid fodh’ e. Rug ise air gearrasgian ’s dhinn i ann am bunamhas Dhiarmaid i. Dh’ fhag Diarmaid eud, ’s bha e folbh o tholl gu toll, ’s gun air ach gun robh e beo, ’s bha e air dol fo fhionna ’s fo fheusaig. Thanaig e rathad na carraige ’s iasg leis, ’s dh’ iarr e cead a rosdadh. Fhuair e gogan uisg’ anns an tumadh e mheuran an eas a bhiodh e ga rosdadh. Nis bhiodh blas na meal’ air ni sam bith da’m boineadh Diarmaidh le a mheuran. Bha e tumadh a mheuran anns’ a ghogan. Thug Grainne criomag as an iasg ’s mhothaich i blas na meal ’air. An dail Dhiarmaid thug Ciofach, agus bha eud an glacaibh a cheile car treis, ach ma dheireadh mharbh Diarmaid Ciofach, agus air folbh a ghabh e, ’s theich e, agus ghabh e thairis air Loch a Chaisteal. Nur a chunnaic Grainne gun robh Ciofach marbh lean i Diarmaid, agus ma bhrisdeadh an latha thanaig i gus a chladach, agus bha corra-chridheach a glaodhach. Bha Diarmaid suas ri aodann an t-sleibh agus ursa Graidhne. Gr. ’S moch a ghoireas a chorr Air an torr as cionn Shliabh Gaoil; A Dhiarmaid O Duibhne da n d’ thug mi gradh, De ’m fath ma n goir a chorr? . . . . . . . Dr. A Ghrainne, nighean Charmaig nan steud Nach d’ thug riabh ceum air choir, Se ’n t-aobhar ma ’n d’ thug i ’n glaodh Gun do lean a cas ri lic roet. Gr. An itheadh thu aran is feoil a Dhiarmaid. Dr. B’ fheumail air mi na ’m biodh e agam. Gr. A laoich bheir mise dhuit e Cait a bheil sgian a ghearras i. [TD 58] Dr. “Iarr an truaill ’s an do chuir thu ma dheireadh i,” ursa Diarmaid. Bha ’n sgian ann an Diarmaid o ’n chuir i ann i gus an so’ ’s cha b’ urrain e toirt as. Tharruinn Grainne as an sgian; agus ’s e ’n naire ’s motha ghabh i riabh tarruinn na sgian a Diarmaid. Bha eagal air Diarmaid gum faigheadh an Fheinn a mach eud ’s ghabh eud air an aghaidh gu Gleann Eilg. Chaidh eud suas taobh uillt an sin, ’s ghabh eud comhnuidh ann’ ’s bha leab air leith aca. Bha Diarmaid a deanadh shoithicheann, ’s bha na sliseagan a bha e deanadh a dol sios leis an allt gus a chladach. Bha na Fianntan a sealgaireachd a chois a chladaich, ’s bha eud air toir tuirc nimh’ a bha fairsleachadh orra. Thug Fionn an aire do shliseagan aig bun an uillt. “Se so,” urs’ esan, “sliseagan Dhiarmaid.” “Cha ’n e, cha n’ eil e beo,” urs’ eudsan. “Gu dearbh,” ursa Fionn, “glaodhaich sinn foghaid, ’s aon ait ’am bi e tha mionnaichte ris gum feum e’ freagairt.” Chuala Diarmaid an fhoghaid. “Siod foghaid nam Fianntan, feumaidh mise freagairt.” “Na freagair a Dhiarmaid, An fhoghaid cha n’ eil ann ach foghaid bhreig.” Fhreagair Diarmaid an fhoghaid ’s chaidh e sios gus a chladach. Chuireadh ma choinneamh Dhiarmaid an torc a shealg. Ruaig Diarmaid an torc o Bheinn Eidinn gu Beinn Tuirc. A tarruinn leis an t-sliabh fhada, Bha bheisd a toirt Dhiarmaid a nasgaidh, Chasadh e lanna cruadhach. Mar shiofagan do shean luachair. Thug Diarmaid tarruinn air an Leadarrach a reinn Lon Mac Liobhann, ’s chuir e stigh fo a asgaill i, ’s mharbh e n torc. Cha bu dioghaltas le Fionn so fhathasd air Diarmaìd. Bha ball dorain air bonn cois Dhiarmaid, ’s na ’n rachadh h-aon de na cuilg ann bheireadh e bhàs. Ursa Fionn, “A Dhiarmaid tomhais an torc, Co mhiod troigh o shoc ’ga shail.” Thomhais Diarmaid an torc. “Se troighe’ deug de dh’ fhior thomhas.” [TD 59] “Tomhais an torc an aghaidh an fhionna.” Thomhais e n torc an aghaidh an fhionna, chaidh h-aon de na cuilg ’s a bhall dorain, ’s thuit e. Ghabh Fionn duilichinn nur a channaic e a tuiteam; urs’ e. “De dheanadh na b’ fhearr thu Dhiarmaid?” “Na ’m faighinn deoch uisg’ e basan Fhinn bhithinn na b’ fhearr. Chaidh Fionn airson an uisge, ’s nur a smaointeachadh e air Grainne dhoirteadh e ’n t-uisge, ’s nur a smaointeachadh e air Diarmaid ghabhadh e duilchinn ’s bheireadh e leis e. Ach bha Diarmaid marbh ma ’n do thill Fionn. Choisich eud suas taobh an uillt gus an d’ thanaig eud far an robh Grainne. Chaidh eud a stigh, chunnaic eud da leaba, ’s thuig eud gun robh Diarmaid neochiontach. Bha ’n Fheinn anabarrach duilich mar a thachair. Loisg eud Graidhne nighean Charmaig nan steud, Nach d’ thug riabh ceum air choir, ann an cual de ghlasdarach. [Dealbh] [Beurla] [TD 60-61] LXI. THE LAY OF DIARMAID. [Beurla] [TD 62] [Beurla] 1 Derg mac Derg gur i mi do bhean; Air an fhear cha deanain lochd. Cha n’ eil saoi nach d’ fhuair a dheuchain; S’ truagh tha mise ad dheigh an nochd. 2 Derg mac Olla chridhe ’n iuil, Leis an seinte gu ciuin cruit; B ’ionmhuin an Laoch air nach do luidhe fearg; Ged do thorchradh Derg le muic. [TD 63] 3 Chi mi n’ t seabhag a’s an cu Leis an deanamh mo run sealg; S’ an neach leis an ionmhuin an triuir Cuirer i ’s an uir le Derg. 4 Bi mid gu subhach an nochd Sin nar suidhe mu chorp Righ; Bi mid gu furanach fialaidh; Buidheachas do Dhia gach ni. [Beurla] Tomhas n’ tuirc n’ aghaidh n’ fhrioghain, Measuring the boar against the bristles, [Beurla] [TD 64-74] THE STORY OF THE LAY OF DIARMAID. [Beurla] [TD 75] LAOIDH DHIARMAID. The MS. came to me without division into verses, I have so divided it, being nearly certain that I am right. The people talk of “ceathrannan,” quatrains, and the metre is clear, and fits the music.—J. F. C. 1 Eisdibh beag ma (1) ’s aill leibh laoidh, Air a’ mhuinntir a dh’ fhalbh uainn; Air MacChumhail, ’s air an Fhinn, ’S air mac an righ, gu ’m bheil sgial truagh. 2 Dol a Bheinn Ghulbann a shealg, An tuirc nach dearg na h-airm chli; (2) ’S e ’n torc nimhe, ’s e ro gharg, (3) Bh’ aig Mala liath (4) aig sealbh mhuc. 3 GRAIDHNE. “A Dhiarmaid na leig na gadhair ’S na creid nach i ’n fhaghaid bhreige; (5) ’S gur deacair cur ri Mac Chumhail A ’s cumha leis ’bhith gun chéile.” [TD 76] [Beurla] [TD 77] 4 DIARMAID. “A Ghraidhne nach fuirich thu samhach ’S na coisinn naire dho d’ cheud-ghaol; Cha leiginn-sa mo chuid de ’n t-seilg Air son feirge fir na Finne.” 5 GRAIDHNE. “A mhic O Duibhne, a fhlaith threin, (6) Nis o rinneadh euchdan (7) leat Bi-sa cuimhneach air do laimh; Seo an t-eug o ’n tearnar leat.” (8) 6 Dhuisg an ulla-bheist (9) as an t-suain; Chaidh i mu chuairt air a’ ghleann, ’L nuair chual i farum nam Fiann Thug i ’n ear ’s an iar a ceann. 7 Chaidh an sgiath urla (10) ’na dāil ’S Chaidh an t-sleagh an tar (11) an tuirc; Bhrisd i eadar (12) an crann a rìs ’S bha ’n ceann bu righn’ air a’ mhuic. 8 Thairneadh an t-seann lann a truaill Leis am buinichte buaidh gach blair; Mharbh mac righ Dhuibhn’ a’ bhéist; Thiarainn (13) e fhin ’na déigh slan. [TD 78] [Beurla] [TD 79] (14) Chuir sinn a’ mhuc bhàn do Leodrum ’S bu deoSach sinn a dhol a ’reubadh; . . . . . . . . . . 10 An gleann sith, ’san gleann ri ’thaobh, Far am biodh guth laoich a’s loin; Far am biodh torman nam Fiann Air an t-sliabh an deigh nan con. 11 Gu ’n d’ luidh sprochd air Fionn nam Fiann, ’S shuidh e gu cian air a’ chnoc, (15) Mu mhac O Duibhne nan arm aidh Bu chràiteach leis tighinn slan o ’n torc. 12 A chionn e bhith treis ’na thosd (16) Labhair e, ’s gu’m b’ olc ri ’radh, “A Dhiarmaid tomhais an torc Co mhiad troidh o ’shoc g’a earr.” 13 DIARMAID. “Gabham-sa do chomhairl’ Fhinn O b’ aithreach leinn tigh’n on taigh.” Thomhais e’n torc air a dhriom; Mac righ Dhuibhn’ a bu chruinn troidh. (17) 14 “Coig troidhe deug de’n deagh thomhas Ann an driom na muice fiadhain.” (18) . . . . . . . . . . [TD 80] [Beurla] [TD 81] 15 FIONN. “Cha’n e sin idir a thomhas, Tomhais e rithis a Dhiarmaid. Tomhais e ’n aghaidh a’ chuilg, ’S gheibh thu ’laoich bhuirb gach seud.” 16 “A Dhiarmaid tomhais a rìs, ’Na aghaidh, gu mìn, an torc, ’S gheibh thu t’ achanaich o’n righ,— Rogha nan sleagh ruighinn goirt. (19) 17 Dh’ eirich, ’s cha b’e ’n turas aidh, ’S gu ’n do thomhais e dhaidh an torc; Chaidh am bior nimh ’bu mhor cradh, An sàil an laoich nach tlath ’san trod. (20) 18 DIARMAID. “Thoir deoch bhar do bhasan, Fhinn, (21) A mhic mo righ, gus mo chobhair, (22) Air son mo bhidh agus m’ aodaich.” FIONN. “Ochon, a righ, ’s mi nach d’ thobhair.” 19 “Cha d’ thoir mise dhuitse deoch, ’S cha mhò a chaisgeas dhe t’ iota; ’S cha d’ rinn thu riamh dho m’ leas Nach do leasaich thu dho m’ aimhleas.” [TD 82] [Beurla] [TD 83] 20 DIARMAID. (23) “Cha do rinn mis’ ortsa cron Thall, na bhos, an ear, na ’n iar; Ach imeachd le Graidhn’ ann am braid; ’S i tur gam thobhairt fo gheasaibh. 21 “’S a’ Bhruighin chaorainn, ’s tu nad’ chàs, Bu dana mise gad’ chobhair; ’S nuair a bha ’n t-eug air do mhuin ’S mis’ a chaidh thugad le meodhail. 22 “Fhinn ’s ann duit bu mhath mo chobhair; An cuimhneach leat latha cath Chonaill? Bha ’n Cairbre romhad ’s a mhuinntir? ’S bha mis’ as do dheigh gad’ chobhair! 23 “’S gur truagh m’ aghaidh ri Beinn Ghulbann! Lath’ eile bu mhath dhuit mi Nuair a bha ’n Deud-gheal gad’ bhualadh; Thionndaidh mi orr’ as do dheaghainn, 24 “’S chobhair mi ort anns an uair sin! Na ’n cluinneadh mnathan na Finne Mis’ a bhith leont’ air an driom seo, Bu tursach a bhiodh an adhart! 25 “’S gur truagh m’ aghaidh ri Beinn Ghulbann! . . . . . . . . . . . . . . . [TD 84] [Beurla] [TD 85] 26 “Gur truagh m’ aghaidh ri Beinn Ghulbann ’S mi ar tuil-bhruchdadh mo nearta! ’S gad a ’s mise mac O Duibhne; Soraidh leis an t-suiridh am feasda!” 27 Gu robh Diarmaid, air an tulaich, Bu ghrinn am falt a’s bu trom; ’S e ri sior chall na fala, Le lot a bhior, air a bhonn. 28 FIONN. “’S bochd a’ chomhairl’ a chinn agam, Mac mo pheathar a mharbhadh Airson Ghraidhn’, an t-olcas mnatha, ’S nach dean i rithis mo leanmhuinn. 29 “’S mor sin a tha dh’ easbhuidh na tulaich! Air tàillibh na muice fiadhain, Graidhne, nighean righ Choig’ Ullainn, An da ghearr chuilean, agus Diarmaid. (24) 30 “Diarmaid, fear mhealladh nam ban,— Mac righ Dhuibhn’ a bu ghlan snuadh! Suireadh cha tog a suil (25) O chaidh uir air do ghnuis ghlain.” 31 “Buidhe gun ghil’ ann a’d’ fhalt! Fada do leac! mall do rasg! Guirme gun bhrais’ ann a’d’ shuil! Caise ’s maise ’n cul nan cleachd! [TD 86] [Beurla] [TD 87] 32 “’S ann an raoir bu ghorm an tulach; ’S dearg an diugh e le fuil Dhiarmaid! ’S gur h-ann leis an Fhinn bu duilich, Mar a bhithe Fionn ’ga iarraidh!” 33 OISEAN. “Air an oidhche nochd gad tha mi truagh, Bha mi uair nach robh mi faoin; Gun easbhuidh dhaoin’ arm na fleadh; Faic gach ni mu seach ’san t-saogh’l!” NOTES—NUMBERS.—H. MACLEAN. (1) Laoidh, lay, ode, lyric; it differs from dan a poem, in being more melodious, and capable of being sung. It narrates rapidly a few events ending tragically, almost invariably the death of a hero. (2) Cli, weak, powerless. Duine gun chli, a man without strength. Airm chli, feeble weapons. (3) Garg, fierce. (4) Mala liath. The reciters pronounce this name Mala lìth, but the Irish pronounce is, ee, so that the name means gray eyebrow, the old woman who owned the venomous boar and the swine, “aig sealbh mhuc,” guarding her swine (herd of swine). (5) Faghaid bhreige, a lying hunting party, that is got up to deceive and destroy him. (6) Brave hero. Here the vocative is elegantly used. (7) Euchdan, exploits. (8) This is the death which you require to avoid. (9) A monster (feminine in Gaelic). (10) Sgiath urla or urlaimh. Expert shield, a name for Diarmid, from his adroitness in the use of the shield. (11) Tar, the belly. (12) Eadar an crann. Here eadar is used in a sense not common [TD 88] now; between the shaft, that is in the shaft, not between the shaft and the head. (13) Tèarainn, to come off without hurt. (14) This stanza is not known to all the reciters, given by Donald M‘Phie, Breubhaig, Barra. Gleann mo chridhe an gleann seo ri m’ thaobh, Far am binn guth laoigh a’s loin; Far am bi farum nam Fiann, Air an t-sliabh an deigh nan con. My heart’s glen, this glen by my side, Where sweet is the voice of calf and bird; Where is the murmur of the Fean, On the mountain side after their hounds. (This is almost the same as a verse of an old manuscript poem, now in course of publication by Messrs. Edmonston and Douglas, 1861.—J .F. C.) (15) These are the lines according to Allan M‘Phie, and Janet Currie, South Uist. “Gu ’n d’ shuidh e siar air a’ chnoc,” according to some; That he sat west on the knoll. (16) A chionn e bhith treis na thosd. After, or at the end of his being a while silent. (17) Bu trom troidh, of heavy tread. This is the version used by most of them, and they explain it as referring to the warrior’s strong firm step, and the largeness and strength of the leg; however, I have inserted bu chruinn troidh, which implies a well formed or fine foot, which is Boyd’s version. (18) Fiadhain, more poetic than fiadhaich. (19) This is Janet Currie’s version of the line, which I think is best. Allan M‘Phie gives, “Urram nan slighne ghear goirt;” a pretty line also, “The honour of the sharp keen spear.” A great many give “Taghadh nan sleagh ruighinn, geur, goirt,” Choice of the keen, tough, sharp spears, which I think is inferior in poetic merit to the other two. (20) Nach tlath ’san trod. That is, “not soft in fight.” Here the poet very beautifully, in an abrupt manner, turns off to the present tense, so as to produce a vivid impression of the hero’s great bravery on the mind of the hearer. [TD 89] (21) “A dhealbhaich mo righ,” Boyd. (22) “Air son mo bheath’ agus m’ fhardoich,” Boyd. (23) This beautiful dying speech of Diarmid is not known so full as this to any of the reciters, except to Donald M‘Phie, Breubhaig. Cobhar is repeated here often, from the exasperated feeling at the ingratitude of the uncle. Such repetition is always the language of deep passion, as for instance in the case of Coriolanus in his reply, when called “thou boy of tears.” The repetition of this line, and the abruptness with which he turns off from other subjects, is very pathetic. Whoever has been in the company of the dying can feel the truth of this line, how they refer constantly to some of their favourite haunts. The ruling passion, the last, a favourite theme with modern philosophers aad novelists, is here finely illustrated. (24) “A dealbh-chuilean.” This is the expression given by Janet Currie, who says it refers to the unborn child; Graidhne, according to her being with child to the Ciuthach. Boyd has da dhearbh chuilean. Macdonald gives the words inserted, who says they refer to the two best dogs of the Feen, after Bran, which were killed by the boar. (25) Suireadh, a maid. Suireadh cha tog a suil, no maid will raise her eye; that is with grief. The line is repeated no doubt in a corrupt manner, thus— “Suireach cha tog a shuil” no lover will raise his eye, which would make no sense. Leac, cheek. Rasg, eyelash, also the eye itself. “Guirme gun ghlaise,” and “guirme le ghlaise.” Janet Currie gives the line inserted, which is prettier, and at the same time a contrast to the piercing blue eye ascribed by Tacitus to the ancient Germans. Bulwer, in one of his novels, describes the French dark eye as milder and softer than the Italian. Cleachd, a ringlet. Cùis a’s mais’ air chul nan gleachd. Boyd. The poem is not the complete version of one reciter, but is built up and selected from several long versions, written from the dictation of the people named. If the evil spirit of the Ossianic controversy still cumbers the earth, the papers can be produced, and the authorities are alive. I will answer for the honest intention of the collector and the translator, and I can do no more. J. F. C. [TD 90] LAOIDH DHIARMAID. NUAIR a bhiodh an Fhinn a’ folbh a shealg bhiodh h-aon diu daonnan a’ fantail aig an taigh a choimhead nam ban. Thuit e air Diarmaid an lath’ ud gur h-e a dh’ fhanadh. Bha rud ris an canadh iad sugh seirc an aodann an duine; ’s bha clogad air nach fheumadh e thogail; chionn cha robh been a chitheadh an sugh seirc nach tuiteadh ann an gaol air; ’s bha fios aig Diarmaid gu ’n robh na buadhan seo air fhein. An latha a dh’ fhan e aig an taigh bha duil aige nach robh neach ’ga fhaicinn, ’s thug e togail air a’ chlogad, ’s faicidh Graidhne nighean righ Choig’ Ullainn aodann Dhiarmaid. Cha bhiodh an t-anam blath innte mar am falbhadh i le Diarmaid. Arsa Diarmaid, “Cha fhreagair domhsa sin—falbh leatsa.” “O! falbhaidh sinn; airneo sracaidh mi m’ aodach ’s bheir mi suas thu do dh’ Fhionn.” “Cha ’n ’eil aicheadh agam ort nach creid e thu; chionn gur tu a bhean dhileas fhein gu dearbh.” Dh’ fhalbh iad, ’s bha e comhla rithe tri lathan ’s tri oidhchean; ach bha e saor a’s i. Dh’ fhalbh iad air an aghaidh. Bha iad a’ dol a null air amhainn, ’s thog ise a h’ aodach suas ma ’m fliucht’ i, ’s dh’ eirich breac beag an uair sin, ’s bhuail e suas air a sliasaid. “Mo laochan thu fhein a bhric bhig, bheadaidh, urad ’s a thug dhomh de thoilinntinn cha d’ thug Diarmaid domh o cheann nan tri lathan ’s nan tri oidhchean a tha e leam; ’s na ’m biodh tu air chomas falbh air tir leam bu choltach gur h-ann mar a bu lugha an duine a b’ fhearr e.” “Mata,” ars’ esan, “na a dh’ fhulaing mise air son geanmnuidheachd de thamailt cha ’n fhulaing mi na ’s fhaide e.” . . . . . . . . “Tha Fionn a nis,” ars’ esan, “air tighinn dachaidh ’s cha ’n fhaigh iad sinn a staigh; thig iad an sin air ar toir ’s gheibh iad sin.” “Cha ’n fhaigh,” ars’ ise. “Co dhiu a gheibh no nach fhaigh bheir sinn ionnsuidh air sinn fhein fhalach.” Se ’n rud a ni sinn theid sinn do ’n choill seo shuas ’s falachaidh meanganan ’s duilleach na craoibhe sin.” Dhirich iad do ’n chraoibh an sin, ’s chaidh iad ann an cridhe na craoibhe, ’s tharruing iad meanglain ’s duilleach na craoibhe mu ’n cuairt orra. Thainig an Fhinn ’ionnsuidh an taighe ’s cha d’ fhuair iad Diarmaid na Graidne aig an taigh. “Seo, seo, Ghillean,” arsa Fionn, [TD 91] “tha mise gun bhean ’s tha ’n Fhinn gun Dhiarmaid; ’s coir duinn falbh gus am faigh sinn iad.” Dh’ fhalbh iad air an torachd, ’s chaidh iad a null air a cheart amhainn. Nuair a chaidh iad a null arsa Fionn, “Tha sinn an deigh treis choiseachd a dheanadh, ’s o’n a tha, leigidh sinn anail bheag aig bonn na craoibhe seo shuas.” Ghabh iad comhairl’ Fhinn ’s shuidh iad aig bonn na craoibhe. Arsa Fionn, “’S coir duinn teannadh ri cluiche, Ghillean.” “Tha sinn deonach,” ars’ iadsan. B’ abhaist do dh’ Fhionn ’s do dh’ Osgar a bhith ’nan da cheann stochd. ’Se Diarmaid daonnan a b’ abhaist a bhith comhla ri Fionn. Bha fios aig Fionn gu ’n robh buaidhean air Diarmaid aig cluichean. Bha ’nis Osgar agus dh’ fheumadh e duine a bhith leis, agus ’s e ’athair fhein a ’b abhaist a bhith leis. Thoisich iad cur nan cluichean. A’ h-uile cluiche a bha ’dol ’s ann air Fionn a bha e ’dol, ’s bha Osgar a’ buidhinn. Chuir iad tri chluichean. Arsa Fionn, “Tha mi aig ionndrainn uam Dhiarmaid gu trom; chionn b’ ainneamh leomsa cluich a dhol a m’ aghaidh nuair a bhiodh Diarmaid leam; ach tha iad a nis a’ dol a m’ aghaidh o’n a dhealaich e rium; ach theid mi uair eile riut.” Bha Diarmaid ag eisdeachd. Dh’ fhalbh e ’s chuir e ri thaobh deas mar siud a lamh, ’s rug e air té de na caora dearga a bh’ air a’ chraoibh, ’s leig e sios ris a chraoibh i, ’s driom Fhinn ris a’ chraoibh. Dh’ fhairich e rud a’ bualadh air a dhriom, ’s chuir e a lamh air a chul-thaobh, ’s rug e air a chaora, ’s chuir e ’na phoca i. Thoisich iad air cluiche ’s chaidh an cluiche seo le Fionn. “Tha h-aon agam,” arsa Fionn. “Tha,” ars’ Osgar, “ach tha a dha gu d’ dhith.” “An d’ theid thu tuilleadh ann?” ars’ Osgar. “Theid, theid,” ars’ Fionn. “Feuch a rithis e.” Leig Diarmaid sios an ath chaora ’s bhuidhinn Fionn am fear seo. “An d’ theid thu ann tuilleadh?” ars’ e. “Theid,” ars’ Osgar, “ma tha a dha agad tha fear gu d’ dhith.” Leig Diarmaid a nuas an treas té agus bhuidhinn Fionn an treas fear. “Tha sinn a nis,” ars’ Osgar, “cothrom a’s cothrom; na ’bhuidhinn mi thug thu fhein air t’ ais a rithis e.” “An d’ theid thu ann tuilleadh?” arsa Fionn. “Theid,” ars’ Osgar, “bidh fios a mhath na ’uilc againn air an t-siubhal seo.” Chaidh iad ann a rithis; leig Diarmaid a nuas an ceathramh té, ’s bhuidhinn Fionn. “Ge b’e air bith mar a bha fad ’s a bha thusa gun Diarmaid leat bha mise a’ buidhinn. Ge b’ e an bith mar a tha a’ chuis tha gnothaichean a bhoineas do Dhiarmaid mu’n cuart ortsa an diugh ma ’m bheil thu air buinig [TD 92] a’ cheathramh uair. Ars’ Oisean, “Cha do chuir m’ athair oirnn, a mhic, le ceartas idir.” “Chuir,” arsa Fionn. “Cha do chuir,” ars’ Oisean. “Chuir; a dhearbhadh gu ’n do chuir tha ceithir caoran ann a’m’ phoca mu choinneamh a’ h-uile cluich a bhuidhinn mi.” Thug e mach na ceithir caoran, ’s nuair a thug e mach iad thubhairt e. “Thig a nuas a sin a Dhiarmaid, thu fhein agus Graidhne, nighean righ Choig’ Ullainn; chionn tha sibh an sin comhla.” Thainig Diarmaid agus Graidhne a nuas; Roinneadh a’ chuideachd as ur, ’s chaidh Fionn a’s Osgar thar a cheile. Thoisich na h-airm, ’s thoisich an sgath, ’s bha iad a’ deanadh moran coire air a cheile. Bha a’ chuid eile de ’n Fhinn a’ faicinn gu ’n robh Osgar a’ brath buinig air taobh a sheanar. Arsa Goll Mac Morna, “Gad nach robh cuid againne de ’n aimhreit, ’s coir dhuinn reite ’s eadraiginn a dheanadh eadar clanna Treunmhor.” Arsa Conan, “Leig le Clann na Baoisge cuirp a cheile a ghearradh.” Thuirt Fionn an sin ri Osgar, Casg a chur air armaibh, ma ’m biodh Clanna Morna fhathasd ’nan deigh an Alba. Thug Fionn aire do Dhiarmaid ’s thuirt e. “Tha mo ghrunnd, ’s mo lamh, ’s mo shuil Deonach cuirt a dheanadh dhuit; A Dhiarmaid O Duibhne, fhir threin! Falbh le m’ cheile gun fhios domh!!” Bha boireannach ann ris an cainte Mala lith, ’s bha speil mhuc aice, ’s bha torc nimhe air an ceann, ’s chaidh iomadh gille math a ’shealg nach d’ thainig riomh slan o’n torc. Arsa Fionn ri Diarmaid, “A Dhiarmaid theirig a shealg an tuirc aig Mala lith air ’shealbh mhuc. ’S iomadh fear a chaidh ann nach d’ thainig as an allt thar bhreac.” Dh’ fhalbh Diarmaid a shealg an tuirc. From Alexander M‘Donald, Burgh, Barra. September 20, 1860. [Beurla] [TD 93-101] [Beurla] [TD 102] FABLES. [Beurla] [TD 103] LXII. HOW THE FOX TOOK A TURN OUT OF THE GOAT. From Hector Boyd, Barra. [Beurla] [TD 104] [Beurla] Chaidh a ghobhar ghlas don traigh Agus, bhrisd strabh a cas. The gray goat went to the strand, and a straw broke her leg, and when she came home there were Na tri minneana mine-glas Taraigna taraghlas Driomana driomaghlas Agus am boc ceannaglas. [Beurla] Air an draigheann air an dreas Air an talamh fo mo chois Air a ghrian seachad siar Cha ’n fhaca mise riamh Do chuid meann. [Beurla] [TD 105] LXIII. HOW THE COOK TOOK A TURN OUT OF THE FOX, AND NO CREATURE EVER TOOK A TURN OUT OF HIM BUT THAT COCK. From Hector Boyd, Barra, Sept. 20, 1860. [Beurla] [TD 106-107] LXIV. THE HEN. From Hector Boyd. Learnt this story from Donald M‘Kinnon, Laidhinnis, Barra, who died twelve years ago at the age of sixty—Castle Bay, October 4, 1860. [Beurla] [TD 108-110] [Dealbh] LXV. THE KEG OF BUTTER. From Hector Boyd, Barra, who learnt it from Neil M‘Neill, Watersay; and from many other old men. Neil M‘Neill died ten years ago, past eighty years of age.—Castle Bay, Sept. 20, 1860. [Beurla] [TD 111] [Beurla] Madadh Ruadh. Och! heun! thall. Madadh Alluidh. Dé tha thu ’faicinn ann. Madadh Ruadh. Tha iad gam iarraidh gu goisdeachd. Madadh Alluidh. Och, och, ann d’ theid thu ann. Madadh Ruadh. Och, och, theid. [Beurla] [TD 112-113] [Dealbh] LXVI. THE FOX AND THE LITTLE BONNACH. From Hector Boyd, who learnt it from one John Campbell, who died three years ago, at the age of thirty.—Sept. 20, 1860. [Beurla] [TD 114] LXII. MAR a thug am Madadh ruadh an car as a’ Ghobhair. A’ ghobhar ghlas. Bha ’n siud ann gobhar ghlas, ’s bha minn aice; s’ ma bha chaidh am madadh ruadh latha timchioll orra, ’s rug e e orra, ’s mharbh e iad, ’s dh’ ith e iad. Thainig a ghobhar, an seo, dachaidh; ’s bha i gu dubhach, bronach nuair a thainig i, ’s gun iadsan air a coinneamh. Ghabh i air falbh, ’s rainig i taigh a’ mhadaidh ruaidh, ’s chaidh i air mullach an taighe. Dh’ eubh am madadh ruadh. “Co siud air mullach mo bhothain ghruigich, ghraigich, Nach leig goil dho m’ choireachan, ’S nach leig bruich dho m’ bhonnachan, ’S nach leig mo leanabh beag dh’ an tobar?” GOBHAR. “Tha mise ’ghobhar ghlas air a toirt as, Ag iarraidh nan tri minneana mìne, ’S am boc tarraghlas, ’S an gille buic.” MADADH RUADH. “Mata, air an talamh a tha fodhad; ’S air an athar as do chionn; ’S air a’ ghrain a tha sios; Nach fhaca mise riamh do chuid meann.” Cha robh eun a bha ’s an ealt nach deachaidh i a ionnsuidh; ’s thill i dhachaidh, ’s cha d’ fhuair i iad. LXIII. MAR a thug an Coileach an car as a mhadadh ruadh; ’s cha d’ thug beathach riamh an car as ach an coileach a bha ’n siud. Thainig am Madadh ruadh thun taighe, ’s rug e air coileach. Dh’ fhalbh e leis a choileach ’s dh’ fhalbh muinntir a’ bhaile as a dheigh. “Nach iad a tha gorrach,” ars’ an coileach, “a falbh as do dheigh, ’s nach urrainn iad breith ort co-dhiu.” Bha ’n coileach, nuair a dh’ fhosgladh e’ bheul, gus leum as. Nuair a chunnaic e gu ’n robh an coileach cho deonach air falbh comhla ris fhein bha e cho toilichte. [TD 115] “O,” a cheolaire! nach abair thu, “’Se mo choileach fhein a th’ ann’, ’s tillidh iad,” ars’ an Coileach. Thuirt am Madadh ruadh. “’Se mo choileach fhein a th’ ann.” ’S nuair a dh’ fhosgail am Madadh Ruadh a bheul leum an Coileach air falbh. LXIV. A CHEARC. BHA boireannach ann roimhe seo agus rug i cearc ann an sgorr cladaich ’s iad an deigh a cur air fuadach air doigh air chor-eigin. Dh’ fhas a chearc mor, ’s bhiodh i ’dol do thaigh an righ ’h-uile latha feuch am faigheadh i rud a bheireadh i g’ a mathair. Thainig an righ mach latha de na laithean, ’s thuirt e rithe. “De, a chreutair bhig, mhosaich, a tha thu deanadh a ’t sheasamh air mo dhorus an sin.” “Mata gad a tha mi beag, mosach fhein, ni mi rud nach dean a bhanruinn mhor, bhreagh agadsa,” urs’ ise. “Dé ’ni thu?” urs’ an righ. “Leumaidh mi o sparr gu sparr, ’s an clobha, ’s buthal na poite, slaodadh rium.” Dh’ fhalbh e staigh ’s dh’ innis e siud do’ n bhanruinn. Chaidh ’fheuchainn ris a’ chirc ’s rinn i e. Cheangail iad am buthal san clobha rithe, ’s leum i thar tri sparrannan, ’s thainig i air làr. Cheangail iad am buthal san clobha ris a bhanruinn an sin, ’s dh fhalbh i ’s thug i leum aisde, ’s ghearr i faobhar an da lurga aice, ’s thuit i, ’s chaidh an t-ionachainn aisde. Bha ceithir banruinnean aige ’s chuir a’ chearc as doibh, air fad, leis an obair seo. “’S fhearra duibh,” urs’ a’ chearc, “mo mhathair a phosadh; tha i ’na boireannach breagh.” “Seachainn mi,” urs’ an righ; “rinn thu call na leoir domh cheana a chreutair mhosaich.” “Mata cha ’n e sin a ’s fhearra dhuit ach a posadh,” urs’ a’ chearc. “Cuir a nuas do mhathair ’s gu ’m faiceamaid i,” urs’ an righ. Dh’ fhalbh i far an robh a mathair, ’s ars’ i rithe, “Tha ’n righ ’gar n-iarraidh a mhathair; bha mise ag iarraidh air bhur posadh.” Chaidh i suas ’s phos i fhein san righ. [TD 116] Bha ’n sin domhnach ’s bha iad a’ dol do ’n t-searmoin an righ ’s a’ bhanruinn, ’s cha d’ fhag iad a staigh ach a chearc, ’s mac o ’n cheud mhnaoi. Dh’ fhalbh a chearc nuair a dh’ fhalbh iad, ’s chaidh i do sheombar, ’s thilg i dhi an cochall a bha orra, ’s dh’ fhalbh an gille staigh do ’n rum ’s chunnaic e ’n cochall a bha orra. Rug e air ’s chuir e’n teis meadhoin an teine e. Thainig ise nuas ’s cha robh sgeul aice air a chochall. Thainig i far an robh an gille ’s claidheamh ruisgte aice ’s thuirt i ris, “Faigh dhomhsa mo chochall air neo bheir mi an ceann diot an aghaidh na braghad.” Ghabh an gille moran eagail ’s cha b’ urrainn e facal a radh rithe. “A chreutair mhosaich,” urs’ ise, “’s mor leamsa do bhàs a bhith air mo lamhan. Cha ’n eil fios ’m a nis dè ’ni mi; ma gheibh mi cochall eile saoilidh iad gur buitseach a th’ annam; agus ’s fhearra domh fantail mar a tha mi.” Nuair a thainig an righ dachaidh chunnaic e ’m boireannach breagh sin a staigh air feadh an taighe, ’s cha robh fios aige dè ’chuir ann i. B’ fheudar gu ’m faigheadh an righ mach dè ’n seorsa boireanniach a bh’ innte. Dh’ innis i’ ’h-uile dad. Phos i’ fhein ’s mac an righ ’s rinneadh banais mhor daibh. LXV. AM BUIDEAL IME. BHA ’m madadh ruadh ’s am madadh alluidh a’ falbh comhla, ’s chaidh iad timchioll a’ chladaich, ’s fhuair iad buideal ime, ’s thiodhlaic iad e. An la ’r na mhaireach chaidh am madadh ruadh a mac, ’s nuair a thill e staigh, thuirt e gu ’n robh duine air tighinn a ’iarraidh gu baisteadh. Dh’ fhalbh am madadh ruadh a’s sgeadaich e e fhein ann an deagh thrusgan, ’s ghabh e air falbh, ’s cait an deachaidh e ach ’ionnsuidh a’ bhuideil ime, ’s thug e sios gu ’bheul gu math as a’ bhuideal, ’s nuair a thanaig e dachaidh dh’ fhoighnichd am madadh alluidh dheth dé ’n t-ainm a bh’ air a’ phaisde, ’s thuirt e gu ’n robh. Fo bhial. An la ’r na mhaireach thuirt e gu ’n do chuir duine a ’iarraidh gu baisteadh, ’s rainig e ’m buideal; ’s thug e as mu leith. Dh’ fhoighneachd am madadh alluidh, nuair a thainig e dhachaidh, dé ’n t-ainm a bh’ air a’ phaisde. [TD 117] “Mata,” urs’ esan, “tha ainm neonach nach d’ thugainn fhein air mo dhuine cloinne na ’m biodh e agam, tha Mu leith mu leith.” An la ’r na mhaireach thuirt e gu ’n robh duine, an siud, air tighinn a ’iarraidh-san a rithis gu baisteadh. Dh’ fhalbh e ’s rainig e ’m buideal ’s dh’ ith e air fad e. Nuair a thainig e dachaidh dh’ fhoighnichd am madadh alluidh dheth dé ’n t-ainm a bh’ air a’ phaisde, ’s thuirt gu ’n robh, “Buill’ imlich. An la ’r na mhaireach dh’ fhalbh e ’s thuirt e ris a’ mhadhadh alluidh, gu ’m bu choir dhaibh am buideal a thoirt dachaidh. Dh’ fhalbh iad agus nuair a rainig iad am buideal cha robh sgath dh’ an im ann. “Mata cha robh thusa gu ’n tighinn a choimhead seo, gad a bha mise gun tighinn ann,” urs’ am madadh ruadh. Mhionnaich am fear eile nach d’ thainig e a choir. “Cha ruig thu leas a bhith a’ mathachadh nach d’ thainig thu ann; tha fiios agamsa gu ’n d’ thainig, ’s gur tu thug as e; ach aithneachaidh mis’ ort, nuair a theid thu dachaidh, ma ’s tu dh’ ith an t-im,” ars’ am madadh ruadh. Dh’ fhalbh e, ’s nuair e chaidh e dachaidh, chroch e ’m madadh alluidh, air chasa deiridh, ’s a cheann slaodadh ris, ’s bha cnap de ’n im aige, ’s chuir e fo a bheul e, ’s ma b’ fhior, gur h-ann a broinn a mhadadh alluidh a thainig e. “A dhearg mheairlich,” ars’ esan, “thuirt mi roimhe gur tu dh’ ith an t-im.” Chaidil iad an oidhche sin mar a bha iad, ’s an la ’r na mhaireach, nuair a dh’ eirich iad, thuirt am madadh ruadh. “Mata ’s gòrrach duinn fhein a bhith ’dol bàs mar seo le barrachd mor de ’n leisg. Ruigidh sin a leithid seo de bhaile ’s gheibh sin piosa fearainn ann.” Rainig iad am baile, ’s thug an duine leis am bu leis e piosa fearainn daibh—fiach sheachd puinnd Shasunnach. ’S e corc a chuir iad a bhliadhna sin agus bhuain iad e ’s thoisich iad ri ’roinn. “Mata,” ars’ am madadh ruadh, “co-dhiu ’s fhearr leat am bun na ’m barr? Gheibh thu do dha roighinn.” “’S fhearr leam am bun,” ars’ am madadh alluidh. Bha ’n sin aran breagh corc aig a’ mhadadh ruadh fad na bliadhna; ’s fodar aig an fhear eile! An ath bhliadhna chuir iad barr; ’s e buntàta a chuir iad agus dh’ fhas am buntata gu math. “Co-dhiu a ’s docha leat am bun na ’m barr am bliadhna?” ars’ am madadh ruadh. [TD 118] “Gu dearbh cha d’ thoir thu ’n car tuilleadh asam! Bidh am barr am bliadhna agam,” ars’ am madadh alluidh. “Gle mhath a laochain;” ars’ am madadh ruadh. Bha ’n sinn barr a bhuntata aig a’ mhadadh alluidh a rithis; ’s am buntata aig a’ mhadadh ruadh. Bhiodh, an seo, am madadh alluidh a’ goid a bhuntata air a’ mhadadh ruadh. “’S fhearra dhuit a dholl a null ’s an t’ ainm sin agam ann an crodhan na laire baine a leubhadh,” ars’ am madadh ruadh. Dh’ thalbh am madadh alluidh ’s thoisich e air leubhadh an ainm, ’s uair de na h-uairean tharruing an lair bhàn a cas, ’s thilg i ’n ceann bhar a mhadadh alluidh. “O!” ars’ am madadh ruadh, “’S fhada o’ n a chuala mi e. B’ fhearr leam a bhith a’ m’ chleireach na ’bhith leubhadh leabhair.” Dh’ fhalbh e dachaidh, ’s cha robh am madadh alluidh a cur dragh air tuilleadh. LXVI. AM MADADH RUADH ’S AM BONNACH BEAG. BHA ’m madadh ruadh uair a dol thar loch, ’s choinnich bonnach beag e, ’s dh’ fhoighnichd am madadh ruadh dheth cait an robh e a’ dol. Dh’ innis am bonnach beag gu ’n robh e ’dol a leithid seo de dh’ àite. “’S co as thainig thu?” ars’ am madadh ruadh. “Thainig mi a Giogan ’s thainig mi a Cuaigean, ’s thanaig mi a leac nam bonnach, ’s thainig mi a suil na brathan, ’s thig mi uaitse ma bh’ fhaodas mi.” Ars’ am bonnach beag. “Mata bheir mi fhein a null air mo mhuin thu,” ars’ am madadh ruadh. “Ithidh tu mi, ithidh tu mi,” ars’ am bonnach beag. “Thalla air barr m’ urbaill mata,” ars’ am madadh ruadh. “O cha d’ theid, ithidh tu mi,” ars’ am bonnach beag. “Thalla nam chluais,” ars’ am madadh ruadh. “Cha d’ theid: ithidh tu mi,” ars’ am bonnach beag. “Thalla nam’ bheul,” ars’ am madadh ruadh. “Ithidh tu mi n’ uair sin co-dhiu,” ars’ am bonnach beag. “Od cha ’n ith,” ars’ am madadh ruadh; “nuair a bhios mi a snamh cha n’ urrainn mi rud sam bith itheadh.” Dh’ fhalbh e ’na bheul. [TD 119] “O ho!” ars’ am madadh ruadh, “faodaidh mi mo thoil fhein a dheanadh riut a nis. ’S fhada o ’n a chualas e. ’S math greim cruaidh am beul a ghoile.” Dh’ ith am madadh ruadh am bonnach. Rainig e, ’n seo, taigh duine uasail, ’s chaidh e gu loch, ’s rug e air tunnag a bh’ ann, s’ dh’ ith e. Chaidh e suas air taobh cnoic, ’s thoisich e air a bhlianadh fhein air a chnoc. “A righ! ’s gasda a sgailceadh am peilear air mo bhroinn an ceart’ uir,” ars’ esan. Co a bha ’ga eisdeachd ach sealgair. “Bidh e air fheuchainn riut an ceart’ air,” ars’ an sealgair. “An droch comhdhail air an àit a th’ ann,” ars’ am madadh ruadh, “nach eil a chridhe aig neach facal a radh am beadradh nach bi air a ghabhail an d’ar righribh.” Chuir an sealgair peilear ’s a’ ghunna, ’s loisg e air, ’s mharbh e e. [Beurla] [TD 120-121] LXVII. CAOL REIDHINN. WHY THE NAME WAS GIVEN TO IT. From Mr. Alex. Carmichael, (excise officer), Islay. [Beurla] [TD 122] LXVIII. [Beurla] [TD 123] LXVII. CAOL REIDHINN. CARSON A THAINIG AN T’AINM AIR. AIR am aridh, an do no Feinn tighinn dhachaid fo’n t ’sealg, do thigh Fharbheil, aig bun Farabhein, ann an Ardnamurachan, bha [TD 124] ionghnadh mor orra, na mnathan aca fhaodinn, cho reamhar, gheal bhoidheach, oir bha an t ’sealg fior ghann, air na Feinn aig an am so. Chuir na Feinn rompa, gu’m bithidh fios aca gu de a bha na mnathan aca faodinn, ga ’n deanadh mar so; agus an nuair a dhalbh iad a rithisd, gus an t’ sealg, ’dh fhag iad Conan, fear dhiubh fhein, aig an tigh, a chum so fhaodinn a mach. Rinn Conan faire; agus se am biadh a bha aca, barr a challtuin air a bhurich, agus iad a g’ ol an t’ suigh. Tha e air a ghrainn cuideachd, gu’n robh iad ga nighead fhein leis a so. Thuig na mnathan gur h’an ga ’m faire a chai Conan fhageil, aige an tighe, agus bha fearg mhor orra. Ann san oidhche, an nuair a luidh Conan a sis gu cadal, cheangail iad fhalt ri da stop a chuir iad san talamh, air gach taobh ga cheann. Chaidh na muathan a sinn a mach gu beul an tighe, agus bhuail iad am basan, le guileag mor, gus an do dhuisg iad Conan. Leum Conan air a chois, le mor-chabhaig, ach fhag e pairt ga fhalt ’us do sheic a chinn ceangailt ris na stuip. An nuair a fhuair Conan na mnathan ’stigh, chuir e teine ri fraoch agus connadh ann am beal an tighe, a chum agus na mnathan a marthadh leis an toit. Bha na Feinn aig an am so, mu-choinneamh tigh Fharabeil air taobh eile Chaol Readhinn, agus an nuair a chumaic iad an teine agus an toit, a g’ eridh suas, ghlaodh iad gu ro-mhor a bualadh an lamh chli air clar-an aoduinn agus an suilean air an speur. Ruith iad a sinn gu ’n, cuid mnathan a thearnadh, ach bha ’n ’caol eadar iad agus an tigh; ach le ’n lannan leum iad ’n caol, ach aon fhear—Macanreaidhinn. Thuit Macanreadhinn sa chaol, agus chaidh a bhathadh; agus foidh sinn gus an latha n’ duigh, lean Caol Readhinn air a chaol. Fion ach as gu luath air ban traichd Fheinn, S’ leum gach fear air barr a shleagh, ’Us fhag iad Macanreadhinn sa chaol. Gu freasdalach thainig na mnathan uile roimhe, ach aon na dithis dhiu on rinn na Feinn a dean-ruith g ’n teasmiginn. Bha na Feinn ann an fearg mhor ri Conan, airson mar a rinn e’, agus rug iad air a chum a chuir gu bas. Dh’ iar Conan mar fhathor gun reacheadh, an ceann a thabhairt dheth le Mac an Luinne, nach [TD 125] fageadh fuigheall na dheigh, claidheamh Fhionn, Mhic Dhuil, agus a mhac fhinn, Garabh, ga bhualadh air sliasaid Fhion:— Achanidh gan’ iarridh mi As eugmhais m’ an am ri iaridh Mac an Luinne a bhuinte m’ anam Air muin sleiste geile n’ Fheinn. Chaidh so a cheadachadh dha; ach chaidh an toiseach, seach seicheann glasa, seach cuailtean connaidh, agus seach tiruinn do riosga glas, a chuir air muin sliasaid Fhionn. Chaidh ceann Chonan a leageadh (na leageil) air a sinn agus bhuail Garabh a mhac le Mac an Luinne an ceann deth agus Cha bu lionmhoire crois san dearni, Na cuisle gearte an sliasoid Fhionn. Dh’ eoraich Garabh dhiu a sin, caite am robh na Feinn, oir bha e air dol air a chuthaeach, agus thubhairt iad ris gu’n robh iad gu h’ iseal foidh. Ghabh e sinn a sis gus an d’ rainig e an fharige, agus shlachdanich e i gus an do bhath se e fhein. LXVIII. LATHA do Fhionn, agus ga chuid dhaoine, a bhi a mach a sealg ann an Haslainn, ann an Gortean-taoid, ann an Ile, chunnic iad a tighinn na ’n comhdhail, duine mi sgiamhach, agus suil mholach (?) na ’n aodinn. Bha e dian-ruith, agus e sior-dheanadh air Fionn MacDhuil. An nuair a chonnich e iar dh’iar e orra, a bhi ga leantinnsa, gu doruisd a cheardeach. Arsa Fionn—“Caite a thrua a bheil do cheardach, na n’ fhearte sinne faicinn?” “Mo cheardach sa,” arsa n gobhainn, sith, “cha n’eil ri fhaodinn, ’s ma g’ fhaodas mise cha n’ fhaic sibh.”* Shin ’n gobhain-sibh agus Daorghlas, a mach ri uchd an t’ sleibh, ’us cha d’ ugadh iad ach aon cheum, thar gach aon ghleann, fuar, fasich. Cha n’ fhaichte ach air eigin cearb gan’ eideadh far am masann.† * Faiceadh sibhse sin ma dh’ fhaodas Ach ma dh’ fhaodas mise cha ’n fhaic sibh.—(Gillies.) † Cha deanadh an Gobhain ach aon cheum Thar gach gleannan foin ’n robh fasach Cha ruigeadh oirne ach air eigin Cearb d’ ur n’ aodach shuas ar masaibh.—(Gillies.) [TD 126] A tearnadh gu dorus na ceardach dhenich na laoich ri cheile. Fosgla beag, arsa ’n gobhainn sith; srac romhad e arsa Daorghlas. Sinn thundeigh ’n gobhainn-sith agus thubhairt e. A righ gu ’m meal thu t’ ainm a Chaoilte cha bhi Daorghlas ort fo ’n am sò. San a sinn a thoisich iad air Mac-an-Luinne agus an nuair a bha iad ris, thainig nighean a gobhainn-shith a stigh do’n cheardich agus dh’ eorich i “Co am fear caol, glas, gu’n tima a shineadh a’ tinah cruach?”* Thuit an oighe ann an trom cheiste air Caoilte (Daorglas) agus thug i rathadh dha gu ’n abradh a n’athair ris an n’uair a bhithadh ’n claidheamh deas gu de bha dhi air an nis, agus easan a ghrainn tha aon rud beag a dhi air fathast; e sinn bheirsinn air a chlaidheamh agus e ga chuir roimh chorp a h’ athair ga faobhairt. ALASDAIR A MAC ’ILLMHICHEIL. I have followed the orthography of the MS. * Here also come in several lines of the old poem, as given by Gillies, 1786. [TD 127-128] LXIX. THOMAS OF THE THUMB. From Catherine Macfarlane in 1809. John Dewar. [Beurla] [TD 129] LXIX. TOMAS NA H-ORDAIG. BHA fear ann a roimh so, do am b’ ainn Tomas na h-òrdaig; agus cha bu mho e na òrdaig duine foghainteach. Chaidh Tòmas aon uair a ghabhail sràid, agus thainig fras gharbh chlachan meallain; agus chaidh Tòmas a stigh fo dhuilleag chopaig, agus thainig dròbh mòr cruidh seachad, agus bha tarbh mòr riabhach na measg, agus bha e ag iche tiomchiol na copagaich. Agus dh’ iche e Tomas na h-ordaig. Dhiondrain a mhathair s athair e, a’s chaidh iad g’a iarraidh. Bha iad dol seachad air an tarbh riabhach, agus thubhairt Tomas na h-ordaig, “Tha sibhse an sin g’ am iarraidhse, Feadh mhinegean, s mhonagan; S mise an so am aonaran, An ton an tairbh riobhaich.” An sin mharbh iad an tarbh riabhach, agus dh’ iarr iad Tomas na h-ordaig, air feadh maodail s caolain an tairbh. Ach thilg iad uapa an caolan taomadh. Agus is e sin an caolan ann san robh e. Thainig cailleach an rathad, agus thug i leatha an caolan taomadh, agus air dhi a bhith dol air a h-aghart, bhi a dol thair féith s leig . . s Thubhairt Tomas na h-ordaig, “tut . . . . a chailleach,” agus thilg a chailleach uaipe an caolan. Thainig sionnach an rathad, s thug e leis an caolan, agus ghlaodh Tomas na h-ordaig “bìs-taileù! an sionnach, bìs-taileù! an sionnach.” An sin ruith na coin an déigh an t’ shionnaich agus bheir iad air, agus mharbh is dh ith iad e, s ge-d dh ith iad an caolan, cha do bhuin iad go h-Thomas na h-òrdaig. Chaidh Tomas dachaidh far an robh a mhathair s athair, agus san aige a bha an sgeul neonnach doibh. JOHN DEWAR. This is the original spelling. [TD 130] [Dealbh] [Beurla] [TD 131] LXX. THE BULLS. From John Dewar, November 17, 1860. [Beurla] [TD 132] [Beurla] LXX. THE BULLS. THAINIG roimh so tarbh dearg a Sasunn, a chum maslachadh a thoirt do Albainn. Sheas e air gualla beinn Mhùrluig, s ghlaodh e “Is truagh an dùthaich, is truagh an dùthaich.” Bha tarbh dubh Gaidhealach, air taobh eile loch Loimeinn, ma coinneamh braigh Dùn pholachròdh, agus ghloadh e, “Cia as a tha thu? Cia as a tha thu?” Ars an Tarbh Dearg “A tir do nàmhaid,” A tir do nàmhaid.” Ars an Tarbh Dubh “Ciod e do theachd an tir? Ciod e do theachd,” etc. An Tarbh Dearg, “Cruinneachd ’s fion, cruinneachd ’s fion,” etc. [TD 133] An T. Dubh, “Chuirinn thu an còir do chùil,” etc. An T. Dearg, “C’ aite an do rugadh tù? C’ aite,” etc. T. Dubh, “An crò an Dùin, ’n crò an Dùin.” T. Dearg, “Ciodh bu bhiadh dhuit o’n bha thu ad làogh? Ciod bu bhiadh dhuit,” etc. T. Dubh, “Bainne ’s bàrr fraoich, Bainne,” etc. An T. Dearg, “An adhrac chrom so am beul do chléibh, an adhrac chrom,” etc. An T. Dubh, “Chugad mi! cha ’n eagal domh. Chugad mi! cha ’n eagal domh.” Agus chaidh an tarbh dubh, timchioll ceann shuas loch-Loimeinn agus choinnich an dà tharbh a cheile air gualla shuas beinn Mhùrluig agus chuir iad cinn ri cheile, s ghleachd iad. Chuir an tarbh dubh an tarbh dearg iar ais an coinnimh a chuil, gu ruig clach mhòr a bha an sin, ’s chuir iad car de ’n clach, ’s roil a chlach sios gu còmhnart, a ta aig taobh an rathaid mhòir, tuaiream air còig mìle, taobh shuas an Tairebeart Loimeanach, agus trì mile an taobh shios do cheann shuas an loch-Loimeinn. Chuir an tarbh dubh an adhrac chrom aige, am beul a chléibh aig an tarbh dhearg agus mharbh se e. Agus is e clach nan tarbh, an t-ainm, a ta air a chlach gus an latha diugh, agus is i clach is momha ta anns na trì rioghachdan. J. DEWAR. This is the original spelling. LXXI. THE HOODIE CATECHISING THE YOUNG ONE. [Beurla] [TD 134] [Beurla] AN FHEANNAG A’ TEAGASG A’ GHORRACHDAIN. THÒISICH an fheannag air teagasg a’ ghorrachdain ’s thuirt i ris. “Ma chi thu fear a tighinn agus stichd chaol ’na asgaill agus ceann leathan urra teich; ’s e gunna bhios ann; bidh e dol a’d mharbhadh. Ma chi thu fear a’ tighinn agus e togail doirneig, ’s ann ’ga togail a dhol a’d’ mharbhadhsa bhitheas e; teich. Ma chi thu fear a tighinn lom, direach, ’s gun ni ’sam bith ’na asgaill, ’s gun e cromadh, cha ruig thu leas carachadh; cha bhoin am fear sin duit.” “Gu dé,” ars’ an gorrachdan, “ma bhios a’ chlach ’na phoca?” “O,” ars’ an fheannag, “cha ruig mise leas a bhi ga d’ ionnsachadh na’ s fhaide.” LXXII. THE HOODIE AND THE FOX. [Beurla] [TD 135] AN FHEANNAG ’S AM MADADH RUADH. BHA ’n fheannag ’s am madadh ruadh math air moch-eirigh, agus chuair iad geall ri ’cheile airson co a bu luaithe dh’ eireadh ’s a’ mhaidinn. Chaidh an fheannag ann am barr craoibhe agus chaidil i, ’s dh’ fhan am madadh ruadh aig bonn na craoibhe, ’s e ’g amharc an aird cuin a thigeadh an latha, ach cha do chaidil e idir. Co luath ’s a mhothaich esan do ’n latha ghlaoidh e, “’S e ’n latha bàn e.” Bha ’n fheannag gun smoisleachadh fad na h-oidhche gus an sin; dhuisg i le a ghlaodh san, agus fhreagair ì, “’S fhad’ o b’ e e,—’S fhad’ o b’ e e.” Chaill am madadh ruadh an seo an geall ’s bhuidhinn an fheannag. From John MacArthur (shepherd), Uchd nan Clach, who says he learnt them from Donald MacGeachy, carding-miller, Walkmill, a native of Kintyre; and Dugald MacNiven in Cairnbui. H. M‘L. [TD 136] [Dealbh] LXXIII. THE YELLOW MUILEARTACH. [Beurla] [TD 137] [Dealbh] A MHUILEARTACH BHUIDHE.* 1 Latha dh’ an Fhinn, air Tulach Oirill, (1) A’ coimhead na h-Eireann mu timchill Chunnacas a’ tighinn, air barraibh thonn, An eàrra, ghàireach, chraobhaidh, chrom. (2) 2 ’Se b’ ainm dh’ an fuath nach bu thim A’ Mhuileartach mhaol, ruadh-bhuidhe, O chriochan Lochlann ’tighinn air sàil Gu h-Eirinn a chomhdach a dh’ aon là. * In Gillies, this character is a man, and called “A Mhuirearteach”; perhaps muir iarteach,—sea western. [TD 138] [Beurla] [TD 139] 3 Bha claidheamh meirgeach air a crios Bheir dhaibh caisgeadh dùige, doite (3) An am an d’ thigeadh gairbhe catha, . . . . . . 4 Bha da shleagha chaola chatha Air an taobh eile dh’ an chaillich. Bha ’h-aodann dubh-ghorm air dreach a’ ghuail, ’S a deud cnábadach, cnàmh-ruadh. (4) 5 Bha aon suil ghlumach (5) ’na ceann Bu luaithe na rionnag gheamhraidh; (6) Craobh mhìneach chas air a ceann Mar (7) choill ìnich de ’n t-seana chrithinn. 6 Bha ’cridhe ’mire ri h-àdh, ’Si ’g amharc nam Fianntaidh fo dheas, “Nach deachd (8) sibh a’ bheist thun a h-aimhleis. ’S gu ’n tharladh leatha gean gun chomain;” 7 ’S gu ’n mharbh i le ’h-abhachd ceud laoch; ’S gu ’n robh càir (9) air a garbh chraos. Laoch inbheach gach laoch a bh’ ann, ’S a thogadh air chaola chrann. 8 Air sgath fala, ’measg nan con, ’S bha brigh mhios Oirill ’ga maoidheadh. . . . . . . . . . . . . [TD 140] [Beurla] [TD 141] 9 “Cia iad na laoich a ’s fhearr na sin?” Labhair a’ Mhuileartach bhuidhe. “Fiamh na eagal cha ’n ’eil orm Roimh ’n righ, o’n tharladh mi thugaibh.”* 10 Gu Fionn, flath na Fìnne, thainig Am fuath dìth-mhaiseach, (10) deagh-dhana, Mharbhadh leatha naonar ’s a’ mhagh, ’S i ’g iarraidh fuath’chadh na comhraig. 11 “Nis o’n thainig mi air sàil Gu h-Eirinn uile do ghabhail, Thugta geill gun doruinn domh, Airneo comhrag cròdha churaidhean.” 12 Bheireadh MacChumhail siud di gun diombadh, Deich ceud cu air choimh lion éille, “Gabh an cumha, is e ’choir,” “Deich ceud ubhlan dearg òir.” 13 “Buaidh na h-Eirionn gad gheibhinn uile, Le ’h-or, ’s le ’h-airgiod, ’s le ’h-ionmhas, B’ fhearr leam, air bord air mo luing, Ceann Osgair, a’s Raonaidh, a’s Choiril.” 14 Labhair laoch nach d’ fhulaing tair, Mac mor Morna d’ am b’ ainm Conan, “Caillidh tu dos do chinn chruinn Ann an dàil Mhic Oisein iarraidh.” * Another version is,—O’n ti a tharladh mi thugaibh. [TD 142] [Beurla] [TD 143] 15 Nuair chunnaic iad colg na beiste; Gu ’n d’ eirich Fionn, flath na Fìnne; Dh’ eirich Oisean, flath nam fear; Gu ’n d’ eirich Osgar a’s Iollainn. 16 Gu ’n d’ eirich Diarmaid O Duibhne; Gu ’n d’ eirich sin a’s Iall O Buidhne; Triuir mac an righ chiar-dhubh Dhùinne; Gu ’n d’ eirich sin agus Cearbhall. 17 Dh’ eirich Glaisean O Damhach; Dh’ eirich sin agus Ard-amharc; Dh’ eirich Ciar-dhubh, mac righ Lomhann, A cheathrar a b’ fhoghaintiche ’bha ’san Fhìnn. 18 Chaidh a chomhrhg ris a’ bheist. . . . . . . . . . . . . . . . 19 Bha i ’gam frithealadh mu seach Mar a ruitheadh lann roimh lasair, Gus an do thachair Mac Chumhail an aidh ’S a’ Mhuileartach lamh ri lamh. 20 An aicheadh cha ’n fhacas mar sin O cheardach Lonn Mhic an Liobhann, Bha dealt air bharraibh a shleagh Aig Mac Chumhail an taoibh ghil. [TD 144] [Beurla] [TD 145] 21 Bha ’taobh air a tholladh le guin; Bha braon dh’ a fuil air na fraochaibh. Mharbhadh a’ Mhuileartach leis an righ; Ma mharbhadh cha b’ e ’m marbhadh mìn. 22 Thug an gobha leis a’ brigh Gu tùr Leoin, an t-ard righ. “Mo bheud,” arsa gobha nan tuadh, “Ma mharbhadh a’ Mhuileartach mhaol ruadh.” 23 Thuirt an righ, “nach d’ fhas a shluagh Na ’bheireadh fuil air a’ mhaoil ruaidh. Mar an deach i ’n talamh toll, Na ’bathadh air muir sleamhuinn, lom.” 24 “Cha d’ thainig de dhaoine ’sam bith Na ’mharbhadh a’ Mhuileartach bhuidhe. Cha do mharbh i ach an Fhinn, Buidheann bhar nach buinigear cis.” 25 “’S mor an nair do Bhlaith Phàil Géill a thoirt do luchd aon eilean. Air an triallam, ’s air an iar; Triallam, agus triallam mor.” 26 “Gu ’n d’ thugainn-sa mo bhòid a rìs, Ma Mharbhadh mo Mhuileartach mhìn, A choidhch nach tillinn le m’ shluagh Gus am biodh Eirinn ’na torr luatha. [TD 146] [Beurla] [TD 147] 27 “An Eirinn na fagam clach, An allt, na ’m monadh, na ’m fireach, Gun thogail air chorraibh mo long; Eirinn chothromach, cho trom. 28 “Bheiream breabanaich air sàil Toirt Eirinn uil’ as a tan.” . . . . . . . . . . . . 29 ’S mor an spleadh do luingeas bàn Eirinn uile do thogfail; ’S gun de luingeas bàn sam bith Na thogadh, a dh’ Eirinn, coigeamh. 30 RIGH. “Tionail thugam mo theaghlach còir, Righ na h-Easpanaidh ’s a shlogh, Righ Greige, ’s righ Gallia glan, Righ na h-Easpainn a’s na h-Inid.” 31 FILIDH. Tionail sluagh an t-saoghail uile, De chlann righ, ’s de dh’ aon duine; Fuath na eàrrachd cha d’ thig as O’n Fhinn aluinn fhalt-bhuidhe.” 32 Seachd fichead a’s mile long Thionail an righ, ’s gu ’m b’ fheachd trom, Gu gabhail Eirinn air fad; Gu Fionn, flath na Finna na ’n tárt ’e. [TD 148] [Beurla] [TD 149] 33 Cha robh port na leith-phort ann, An coig choigeamh na h-Eireann, Nach robh lan de bharcaibh bheannach, Agus bhirlinnibh o thighearnan. 34 Ge b’ olc dhuinn a bhith air an cionn, Cha ’n ann daibh-san a b’ fhearr teachd thugainn. . . . . . . . . . . . . 35 Thainig teachdair o Bhlaith Phàil A Mhuileartach fhaotainn da, Airneo borbraidh Eirinn uile Eadar clann righ ’s aon duine. Bheireadh MacChumhail siud do righ Lochlann ’S gun diomadh;— . . . . . . . . . . . . 36 Deich ceud clogad a’s caol luireach, Deich ceud sgiath a’s claidheamh comhdaicht, Deich ceud lomhainn òir air chonaibh, Deich ceud sallta chaola chatha, 37 Deich ceud bratach mhìne, dhaite, Deich ceud saoidh, na ’m b’ aille leis, Deich ceud strian òir agus diollaid. . . . . . . [TD 150] [Beurla] [TD 151] 38 Ged a gheibheadh righ Lochlann siud, Agus borbraidh na h- Eirionn uile, Choidhch’ cha stadadh e le ’shluagh Gus am biodh Eirinn ’na torr ruadh. 39 Thuirt filidh fhreagarrach, fior-ghlic, An gille fhreagradh gu h-eolach— ’S labhair e gu fromhaidh, fàdh, Ris an righ, gu ’n robh ro thrath. 40—FILIDH. “Ge math leibhs’ an Fhinn uile An tus cath agus comhraig; Thig sibh ’n ’ur Leomhana trom, ghlas, Airneo ni sibh uil’ ’ur n-aimhleas. 41 B’ fhearr ’ur faighinn air aona bhall, Na ’bhith ’g ur sireadh o thuinn gu tuinn.” . . . . . . . . . . 42—RIGH. ’S breugach do bheachd fhilidh bhinn, Thuirt an righ gu fuathach, feargach; “Agus trian na ’bheil an sin Nach fhaca tu riamh an Eirinn.” 43 An sin labhair Garaidh nan Gleann, “Ma ghabhas sibh comhairl, Fhinn, Rachadh geill a thoirt air sàil, ’S gu ’m biodh sibh gu bràth fo iona.” [TD 152] [Beurla] [TD 153] 44 Dh’ eirich Iollainn, ’s bu cheum laoich, ’S gach ti lean e taobh ri taobh, Thoirt leadairt air Garaidh o ’n fhasach, ’S cha b’ aill leis duine ’ga fhasdadh. 45—FIONN. “Stad ort Iollainn mar a ta thu;” Arsa Mac Chumhail an ard fhlatha, “Ge b’ olc impidh an fhir, “Bu teom’ a lamh anns an iorguill.” 46—OSGAR. Thuirt Osgar, ’s e ’gabhail leon, “Ge b’ e long a ’s airde seol, Snamhaidh i ’m fuil fo’ a driom, Ma tha na h-urad ’na colainn.” 47—FILIDH. Thog iad an siud, ’s cha bu ghann, An caol shrolt, air an caol chroinn;— Bratach Mhic Chumhail an aidh, Gile-ghreine, as cionn chrannaibh. 48 Bha naoidh slabhraidhean aisde sios De ’n òr bhuidhe gun dall-sgiamh; Laoch air gach slabhraidh dhiu sin A bha ’gan cumail ris na slàithean. 49 Bu lionar ’s a’ chrò mìle fear; Bu lionar fear gheur lann ’s sleagh ann; Bu lionar ceann ann gun chom iona; Bu lionar muineal ann air maoladh, O thus greine gu con-fheasgar. [TD 154] [Beurla] [TD 155] 50 ’An laoch sin bu mhò dhe ’n t-sliochd A thainig thugainn le ’mhor fheachd; ’Sann daibhsan bu chuing’ an crò Ma’n do sgaoileadh an garbh sgleo. 51 Mharbh Osgar, an tiugh an t-sluaigh, Ceud fear sleagha mar cheud uair, Ceud eil’ as a’ phobull a tri, Ag iarraidh thun an ard righ. 52 Ceud eile de shluagh nam fear An taobh thall de righ Lochlann, Gus an do mharbh e, ’n tiugh an t-sluaigh, An righ air mheud onarach. 53 Nuair chunnaic iad gun d’ thuit an righ Threig am meanmna iad ’s am mor luathas: Chaidh iad ’nan sreathan gu sàil, ’S a’ chliar chatha ’gan iomain. 54 Eadar na saoidhean mu seach ’S e’n t-Osgar a bha ’gan iomain; An deis a bhith tabhairt a’ bhlair, ’S ann thainig cobhair gu laoch arm-ghil. 55 Oir rachadh, roimh thollaibh nan sleagh, Na corran roimh dhriom Osgair. . . . . . . . . . . [TD 156] [Beurla] [TD 157] 56 Ge b’ e bhitheadh an latha sin Air taobh uchd-catha Bheinn Eudainn; A leithid de bhaoghal cha d’ fhuaras ann, O thùs na Finne gus an aon latha, ’S latha dha ’n Fhinn air tulach Oirill. [Beurla] [TD 158-159] [Notes] [Beurla] [TD 160-167] LXXIV. THE STORY OF THE LAY OF THE GREAT FOOL. [Beurla] [TD 168] [Dealbh] THE LAY OF THE GREAT FOOL. [Beurla] [TD 169] [Dealbh] LAOIDH AN AMADAIN MHOIR.—(1.) 1 Sgeul uamharr a chualas gun bhreug, Air òinid dh’an geill na sloigh; Mac meanmnach nach dearg le airm, D’am b’ainm an t-Amadan mor. 2* Neart an domhain gu’n ghlac e ’Na lamhaidh ’s cha bu ghniomh borb, Cha be neart a sgéith no lainn, Ach an treine bh’ ann a bhi na dhorn. Air tachairt a’n gleann diomhair dhò Anns nach robh e fos roimh riamh, A b’ ailte srath a’s fear a’s fonn, Fuain nan tonn ri slios gach leug. (Gairloch 4.) [TD 170] [Beurla] [TD 171] 3* A leantuin fad air dhuine teachd ’S iomadh ceud a tha fu ’smachd; Sgeul beag eile dh’ innsean ann Tuigear thall ’s gu bheil e ait. 4† Latha do’n Amadan mhor, An criochan Lochlann fo cheo draodh,— E fhein agus aona mhaca mna; Bu leoir a h-ailleachd mar mhnai. 5 Tachairt an gleann diomhair, ròdh, Mar ròs fas roimhe riamh, Sionan, streubh, a’s feur, a’s fonn, Stoirm nan tonn ri stios na léi. 6 “Chunnacas,” arsa Gilmhin og, “Gruagach ’san ròd a’s buidh brot, Soitheach ur, daite ’na dorn* Coltach ri corn am biodh deoch. 7† Sin ’n uair labhair Macabh mor, “An e ròs fòs (1) tha mi a reir? ’San uair a’s motha mo thart, ’S gu’m b’ fhearr a theachd gu beatha.” 8 “Achanaich a dh’ iarram’s art, Na ol a dheoch ’s na gabh a bhiadh, Gu fiosraich gu dé ’n gleann Nach robh thu ann roimhe riamh.” * A dh’or laiste. [TD 172] [Beurla] [TD 173] 9† An deigh sin fhoclachadh dhò Gu ’n do bheannaich gruagach a’ chuirn, “Na bi dubhach oglaich mhoir; Bi subhach a’s ol do dheoch.” 10 Air a’ chomain chiadhna dhó, Labhair esan ’s cha b’ e ’ghloir ghlic; Thug e sitheadh bruaisgneach borb, ’S cha robh braon ’s a’ chorn nach d’ ibh. 11 Gu ’n d’ imich gruagach a’ chuirn, Neo-bhuadhach a’ chuirn ri ol; An da chois, fo’n ghluin-shios, Bha ’dhith an Amadain mhoir. 12 ’Sin ’n uair labhair Gilmhin og, “’S mor am bron seo thainig ort, ’S tearc do charaid ’san domhan mhor, ’S ni neo-oil leo thu ’bhith gun chois.”* 13 “Uist a nis a Ghilmhin og, Sguir ad’ bhron, a’s bi nad’ thosd; Cha bhi cas fo fhear as tir Neo gheibh mi fhin mo dha chois.” 14† Dh’ imich iad an siud ’nan dis, A bhean ’san laoch bu truime trosd; Bu luaithe esan air a dha ghluin Na seisear air luathas an cos. * S cha bhron leo thu bhi gun chos. [TD 174] [Beurla] [TD 175] 15 Chual iad an fhaghaid ’s a’ ghleann; Guth gadhair ann a ’s binn ceol A’ ruith na h-eilid gu dian Air an fhireach a b’ fhearr doigh. 16 Air an fhireach a b’ fhearr doigh, Chunnacas fiadh o bheannaibh borb, ’S gadhar cluas-dearg gle gheal A’ tabhann gu geur ’na lorg. 17 Thug esan sitheadh gu grad; An urchair chlis ud le lann geur; Thártadh, le neart lamh an laoich, An t-sleagh roimh dha thaobh an Fheidh. 18 Bheir iad air a’ ghadhar bhán, ’S air a laimh gu ’n chuir air eill. “Bi tu agam deanadh ciuil Gu ’n d’ thig fear o ’n iuil a’ d’ deigh.” 19 Chunnacas a’ tearnadh le gleann Gruagach ann lan dearsadh òir Lamh air lann air a thaobh cli, ’S a dha shleagh ’s a sgiath ’na dhorn. 20 Dh’ fhoighneachd iad sgeul deth gu beachd, Na co ’n ròd a chleachd an aoidh? *Gabh iad sgeula dheth mu seach, *Ciod i n’ tir a’n do chleachd a bhi. [TD 176] [Beurla] [TD 177] 21 “Ridire Corcair b’e m’ ainm, ’S air gach ball gu ’n d’ thug mi buaidh. ’S mise gruagach a’ ghadhair bhàn A tharladh ann an laimh thu;” 22 “A Ghruagach ud a ’s ailne dealbh Bheir mise ’dhearbhadh sin duit, Nach bi gruagach gadhair bain As an seo ri ràdh riut.” 23 “Nach fhoghainn leatsa ’Mhice mhoir Leatrom no dha ’bhith ’san roinn, ’S an t-seilg uile ’bhith fo d’ bhinn, ’S an gadhar bàn a leiginn leam.” 24 “’S mise sin a rinn an t-seilg; Mar tha’n t-Amadan garg, dian; ’S ge b’ e neach a’s treise lamh ’S leis an gadhar bàn ’s am fiadh.” 25 “’S o tharlladh mo ghadhar ort, Agus do chosan gu d’ dhìth, Biadh a’s aodach, gabh d’a reir, Bheirinn dhuit fhein ’s do d’ mhnaoi. 26 “Gabh siud,” arsa Gilmhin og, ’S an gadhar bán a thoirt dhó.” “Bheiream agus gadhar breac, ’S na’ b’ aill leat na bu mhó.” [TD 178] [Beurla] [TD 179] 27 Dh’ imich iad, an sin ’nan triuir, Anns an iuil a rin am fear; Thog e ’n crannagaibh a sgiath An crann-tabhuill, ’s am fiadh, ’s a’ bhean. 28 Chunnacas a’ tighinn ri taobh Cathair chaomh ’s lan dearsadh oir; ’S cha robh dath a chunnaic suil Nach robh anns a’ chuirt na ’s leoir. 29 Dh’ fhoighneachd an t-Amadan mor, “Co i ’chathair oir, ri ’h-iuil, A’s breagh cruth ’s is ailne dreach? ’S am faigh mi mach co dheth a tùs?” 30 “’Chathair orbhuidh gu ’m b’ e ’h-ainm O Dhun Tuirbh ’s o ghleannta Smol, ’S cha ’n ’eil innt’ a dh’fhearaibh fòil Ach mise fòs a’s m’ aona bhean.* 31 “An gleann sin roimh d’ thainig thu trid Lan de dhraodhachd tha e ’ghnath; S beag a dh’ fhaoghluim e dhomh fhein Ach ’bhith ’g amharc beus mo mhná. 32† “Bean og a fhuair mi ’san tur Nach robh amharc sùl na b’ fhearr; ’S gile na gach sneachd a corp, ’S mall a rosg, ’s a deud mar bhlath.” * A chathair orruidh, and Dungarbh (Gairloch version), comain chrois; a name incomprehensible. [TD 180] [Beurla] [TD 181] 33* Bheannaich a bhean a b’ fhearr snuagh Do na Gruagach aluinn donn. “Co macan steud gheal og No ’m fear mor d’an d’ thug thu geill?” 34* “An t-amadan mor gur e ainm ’S a Gheilbhinn og gur i ’bhean Fir an domhain tha gu ’mhein ’S mise fein gu’n gheill da.” 35* “’S ioghnadh leam na tha thu ag radh,” ’Se labhair a Gheilbhinn og; “Fir an domhain gu bheil gu’ mhein ’S gu leigeadh e a chasan leo.” 36* “Bheir mise mo bhriathra’ bhean Fir an domhain gu bheil gu mhein; ’S mar b’ e druidheachd Chomain chrois Cha leigeadh e a chasan leò.” 37 Gu’n d’ theid mise ’nis a shealg A bheanntai dearg ’s a ghleanntai smol; Mathaich thusa, ’bhrathair ghraidh, Mo theach, ’s mo mhnai, ’s mo chuid oir. 38 Cho fad ’s gu’m bi mise muigh Na deansa lochd ’s na crom do cheann; Na leig duin’ idir a steach; Na duine ’mach ma thig ann.” [TD 182] [Beurla] [TD 183] 39 Dh’ imich iad a shealg ’nan triuir An cu, ’s an gruagach, ’s an gadhar bán; An dithis ban ’s am macabh mor Dh’ fhan ’s a’ chathair oir ri h-iuil. 40 Sin do labhair Macabh mor, “Ghilmhin og seo aig mo cheann Tha ’n cadal trom ’gam bhuaireadh; Ni ’n òbamaid suas ’s a’ ghleann.” 41* Cha b’ fhada bha e na shuain Thainig Gruagach a’ ròd a steach ’S do bhean a Ghruagaich thug e pog ’S cha b’ fhuathach leis an oigh a theachd. 42† Gu’n shuidh an og-bhean fo ’cheann; Mac samhlaidh dealbha i ri grein; ’S thuirt i ris an oglach mhor, “Rinn thu suaimhneas, ’s cha b’ e t’ fheum. 43 “Rinn thu suaimhneas, ’s cha b’ e t’ fheum; Thainig gaisgeach treun a steach, ’S do ’n mhnaoi Ghruagaich thug e pog; ’S neo-bhuadhach an aoidh a theachd.” 44 Dh’ eiricn an t-Amadan mor; Thun an doruis a ghabh e. Cha d’ bhuail gobha, ceard, na saor, Comhla, ’s treise na ’n laoch borb. [TD 184] [Beurla] [TD 185] 45* “Mur bhithinn a’ m’ shuain gu leor Cha tigeadh e a’ rod a steach, ’S gus an tig Gruagach dun an oir Le mo dheoin cha teid e mach.” 46 Dh’ eirich an gaisgeach deas, donn, ’S ghlacadh leis na h-airm ’na dhorn, “Fag an dorus oglaich mhoir; An àite coir a bhiodh tu ann.” 47† Air freagairt do Mhacabh mor, Air a’ ghaisgeach na gloir theann, “Gu ’n d’ thig an gruagach tha muigh Bidh tusa steach no do cheann.” 48* “Bheir mise mo bhriathra fos Ge mor leat na bheil thu ag radh; Nuair thig Gruagach dun an oir Gu’n diol e ort pog a mhna.” 49* “Nach foghnadh leatsa mhic a mhoir Seachd lan dabhaich ’a dh’or glan Crodh a’s eich fearann saor Raon nan raon a’s dun nam ban.” 50* “Gheibheadh tu sin a’s ni ’s mó Mo chulaidh shroil agus m’ each ’S co deas leis muir agus tìr A chionn mo ligeadh a mach.” [TD 186] [Beurla] [TD 187] 51* “Bheir mise mo bhriathra fos Ge mor leat na bheil thu ag radh Gu’n tig Gruagach a bhrait shroil ’S gu’n diol e ort pog a mhna.” 52 “Fhuair mi o ghruagach a’ chuirn Do leith chos a m’ leig a steach; Seideam fodhad i gu m’ dheoin, ’S ma leigeas an ròd a mach.” 53 Shéid esan le dhraodhachd fhein A leith-chos foidh mar bha i riamh; ’S thuirt an gruagach a bha glic, “Gur tim dhomh bhith nis a triall.” 54 Air freagairt do Mhacabh mor, “Stad beag fathasd gu fòil mall; A chas eile gu ceum cruaidh Bheir mise uait no do cheann.” 55† ’Nuair a bha ’n gaisgeach an càs cruaidh, Duibh leum gu luath ri uchd na mnai, “Tilgidh mi mo chuimrin (4) ort; Dion domh mo chosan ’s mo lamh.” 56† “Ma ’s h-eagal leat am bàs, Do ’n ghraidh-bhean a’s ailne dealbh A’ chas eile bheireadh tu uait;— Didean, air an uair, dho d’ cheann.” [TD 188] [Beurla] [TD 189] 57 Cha d’ leigeadh gu focail dhò Nuair bha ’m fear mor as a chionn; ’S gun a chos eile thoir dhò, Sgiol na dhò ma ’n goirear Fionn. 58* Chuir e’n sin lè dhruideachd fein A dha chos fodha mar bha iad riamh S thu’irt an Gruagach a bha glic “’S mithich a nis a bhi triall.” 59 “Na casan seo fhuair mi fodham Cha leig mi leat iad na leo. Cha d’ thig an la a theid thu mach Gus an d’ thig gruagach Dhun an oir.” 60 “’S mise gruagach Dhun an oir, ’S bu mhor mo bhosd as do ruin, Agus gruagach gadhair bhàin A tharladh ann an lamh thu. 61† “’S a thug na cosan ud diot A dhearbadh do ghniomh a’s do lugh; Seideam fodhad iad a rìs Cheart cho direach ’s a bha thu.” 62* “Oganaich is ailte dreach Gur mor mo bheach ort ’s gach cuis; ’S gur mi bhun do chasan d’ iot A dhearbhadh do ghniomh ’s do thurn.” [TD 190] [Beurla] (1) Fàs, empty. Ròs, a flower—probably the cup is called a flower. (2) The word is translated hind, roe, etc. It is the same word as elk, but it means a stag here. (3) Crann tabhail is translated “sling” in Armstrong; but tabhail, according to the same authority, is “catapult;” “Crann” is a tree. It seems, then, that the word means some instrument made partly of wood, and used in the chase; and I suspect it means cross-bow. Men are represented on the sculptured stones of Scotland shooting with cross-bows. See p. 100. (4) Cuimeir, neat, trim, well-formed, elegance; cuimrin, my elegance, my elegant self. [TD 191] 63 Rug iad an sin lamh air lamh; Gaol air ghaol a’s mìnn air mhìnn; Aona sgeul beag air na mnai, Sgeul uamharr’ a chualas gun bhreig. * Araon mar chomunn na Feinne ’S dh’imich an sgeul mar sin. CAOGAD, fifty. IBH, to drink. SIONAN, I do not know this word, unless it is a corruption of sithean, a knoll. STREUBH, I do not know unless it is a strath. The line might be read this way— Sithean, srath, a’s feur a’s fonn. Knoll, strath, grass, and land. STIOS na lei, I think is slios na lei. LIA, an old name for a stream; on the side of the stream. RÒDH, I suspect, is “very extensive.” MACA MNA, is, I think, a superior women. SÒITHEACH UR DAITE na dorn, should be, I think, ’na dhorn. H. M‘L. [Beurla] [TD 192] LAOIDH AN AMADAIN MHOIR. BHA dithis bhraithrean uair an Eirinn, ’s fear dhiu ’na righ ’s fear na ridire. Bha iad posda le cheile. Air an ridire bha sliochd, ’s cha robh sliochd air an righ idir. Bu tamailteach leis an ridire ’s le ’chuid mac an rioghrchd a bhith aig an righ idir, ’Se an ni a bh’ ann chruinnich iad arm le cheile air gach taobh. An latha blair a thug iad mharbhadh an ridire ’s a thriuir mac. Bha bean an ridire trom, ’s chuir an righ fios na ’m bu leanabh mic a bhiodh aice a mharbhadh, ach na ’m bu leanabh nighinn a bhiodh ann a chumail beo ’s a ghleidheadh. ’Se gille a bh’ aice; ’s bha searbhanta cidsin a staigh aig an robh mac diolain; ’s e Braomall a b’ ainn di’ agus ’s e Domhnull a bh’ air a mac. Nuair a rugadh mac an ridire theich i seo leis an dithis, mac an ridire ’s a mac fhein. Bha iad ’gam beathachadh air taillibh bean an ridire. Bha i ’n sin latha ’s eagal gu ’m bhiodh acras orra dh’ fhalbh i gu baile a dh’ iarraidh bìdh dhaibh. Bha ’n t-acras orra, ’s cha robh ise a’ tighinn, ’s chunnaic iad tri feidh a’ tighinn ionnsuidh na botha. Bha mac an ridire far an robh am fear eile ’s dh fhoighneachd a dé na creutairean a bha ’n siud. Dh’ innis e dha gu’n robh creutairean air an robh biadh agus aodach. “Na ’m b’ fheairde sinne e bheirinn orra,” ars’ esan. Ruith e ’s rug e air na tri feidh, ’s bha iad air coinneamh a mhuime nuair a thainig i. Dh’ fheann i iad, ’s dh’ ith iad, ’s rinn i deise dhasan de chraicinn nam fiadh. Bha iad mar seo gu doigheil gus an do theirig na feidh ’s an d’ thainig an t-acras orra a rithis, ’s chaidh ise an sin thun a’ bhaile. Thainig each mor a bheanadh do’n righ de dhi each fiadhail far an robh iad. Dh’ foighneachd esan de Dhomhnull dé ’m beathach a bha ’n siud. “Tha ’n siud beathach air am biotar a’ deanadh spors; biotar air a muin ga mharcachd.” “Na’m b fheairde sinne e bheirinn air,” ars’ esan. “Thusa a luidealaich dhona a bheireadh air a bheathach ’ud! dh’ fhairtlich e air duine ’s an rioghachd breith air.” Cha d’ fhulaing e tuilleadh seanachais, ach thainig e mu ’n cuairt ’s bhuail e dorn air Domhnull, ’s chuir e ’n t-eanchainn as. Chuir e stob daraich troimh a chluais ’s chroch e ri dorns na botha e. “Bi an sin caogad thar mhiosa,” ars’ esan. Shin e air an each an seo ’s na craicinn slaodadh ris. Rug e air an each ’s chaidh e air a mhuin; ’s an t-each nach d’ fhulaing [TD 193] duine riamh fhaicinn thug e’n stabull air leis an eagal. Bha brathair ’athar an deigh mac fhaotainn o mhnaoi eile. Nuair a chunnaic esan am paileas ghabh e suas le ioghnadh a choimhead paileas brathair ’athar. Cha d’ thubhairt a mhuime ris riamh ach an t-amadan mor agus “Creud orm.” Nuair a mhothaich esan mac bhrathair ’athar ag iomain chaidh e far an robh e ’s, “Creud orm,” urs esan. “Co thusa,” arsa mac an righ, “de dh’ uaislean na de dh’ an-uaislean na rioghachd aig am bheil a leithid sid de chaint?” “Tha mise, an t-amadan mor, mac bean an ridire, dalta na banaltrum, ’s comhdhalta Dhomhnuill, mac na banaltrum, a’ falbh a’ deanadh amadanachd domh fhein, ’s na b’ fheudar e ’s mi a dheanadh amadan diotsa cuideachd.” “Thusa a luidealaich dhona a dheanadh amadan dhiomsa,” arsa Mac an Righ. Chuir e thairis an dorn ’s chuir e ’n t-eanchainn as. “Bi thusa an sin caogad thar mhiosa mar a tha Domhnull mac na banaltrum agus stob daraich troimh a chluais.” Ghabh e staigh an sin far an robh an righ, “Creud orm;” ars’ esan. “Co thusa,” ars’ an righ, “de dh’ uaislean na de dh’ an-uaislean an rioghachd aig am bheil a leithid sin de chomhradh?” “’Se mise an t-amadan mor, mac bhean an ridire, dalta na banaltrum, ’s comhdhalta Dhomhnuill, mac na banaltrum, air falbh a’ deanadh amadanachd dhomh fhein, ’s na ’m b’ fheudar e ’s mi a dheanadh amadan diotsa cuideachd.” “Mata cha tu a rinn diomsa e ach mo chomhairleach an lath, a mharbh mi t’ athair nach do mharbh do mhathair.” Dh’ fhalbh an righ an sin leis. A’ h-uile h-aon an sin a bha ag amas air ’s a bhaile bha iad a’ falbh leis, ’s b’ e siud am beannachadh “Creud orm.” Bha boireannach riomhach anns an rioghachd, ’s bha fachach mor an deigh a toirt air falbh. Smaointich an sluagh na’n d’ thugadh iad am fianuis a’ bhoireannaich a bha ’n seo e, gu ’m gabhadh e cean urra, s’ gu ’n leigeadh e’n sluagh air falbh; gur docha gu ’n d’ thigeadh iad eadar e fhein ’s am fachach; ’s gu ’m marbhadh am fachach e. Leig e a chead do ’n t-sluagh ’s mharbh e am fachach. Bha e ’n uair sin ’na lan amadan. [TD 194-198] [Dealbh] LXXV. GUAIGEAN LADHRACH ’S LOIREAN SPAGACH. From Kate MacFarlane, as early as 1810, John Dewar, October, 1860. [Beurla] [TD 199-297] LXVI. CONALL GULBAN; OR GUILBEINACH, OR GULBAIRNEACH. [Beurla] [TD 298] LXXVII. JOHN, SON OF THE KING OF BERGEN. From Angus Mackinnon (tailor), South Uist. [Beurla] [TD 299] SEATHAN MAC RIGH BEIRBH. 1 S lorg an òga seach an t-àth; ’S an ceum robh a tha ro dhian; 2 Cha ’n i nighean Locha Luin; ’S cha ’n e Diarmaid an ruisg ghlain; 3 Cha ’n e h-aon a chuideachd Fhinn; A dh’ imich an raoir ’san troma ghleann. 4 Thruis mi m’ aodach ’s thar mi as; Feadh na mointich bu gharbh truis. 5 Bha mise na m’ ruith ’s na m’ leum, ’S am fear mor ’s e ’na chruaidh cheum. 6 An sin an uair a rug mi air, ’S a’ bhean leig eadar da sgoir. 7 Gn ’n d’ fhiosraich mi dheth gu foil, “Fhir mhoir ciod as mar seo?” 8 “Ach fhir bhig sin—ach fhir bhig, Gad a dh’ fharraid cha bu ghlic. [TD 300] [Beurla] [TD 301] 9 “Cha b’ uilear dhuit an Fhinn uile ’Thoirt gu slionneadh an aon duine.” 10 “An Fhinn uile na ’n d’ thugainn ann An cnaimh slan cha bhiodh a’d’ cholainn; 11 “A’ chuid nach pronnadh iad le ’n lamhan, ’S dearbh gu ’n loisgeadh iad le ’n anail.” 12 An sin an uair a thilg e arm, An t-sleagh mhor a bha ’na dhorn. 13 Gu ’n d’ chuir e i tharum siar Seachd troidhe diag anns an talamh. 14 “Bhoin do chrann gleusta do m’ chri, ’S cha dean an lighich mo leigheas.” 15 “Beannachd dhuit ’s eirich gu teach, Oganaich bhuidhe ’chuil chlannaich. 16 “Gur h-ann duitse ’s measa sin, Nach d’ rinn thu do shloinneadh a dheanadh. 17 “Gu ’n d’ thug gille cinn Choin Fhinn Comhrag diots’ anns an troma ghleann.” 18 “Mise Seathan, Mac Righ Beirbh, Mac an fhir ghairg bu mhor trosd. [TD 302] [Beurla] [TD 303] 19 “Gur h-e b’ aimn dhomh tighinn gu teach Comhrag nan coig ceudan con. [Dealbh] [Beurla] [TD 304-306] LXXVIII. THE MASTER AND HIS MAN. From John Dewar. [Beurla] [TD 307] AM MAIGHISTIR AGUS AN GILLE. BHA uaireiginn roimh so droch thimannan ann agus bha mòran de sheirbhisch ag iarraidh aiteachan, agus cha robh moran de aiteachan ann d’ aibh. Bha tuathanach an sin, agus cha gabhadh e gille sam bith, ach gille a dh’ fhuireadh leis gu ceann seachd bliadhna, agus nach iarradh de thuarasdal ach na ghlacadh e na bheul de’n t-sìol, tra bhiodh e a bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Cha robh gin a gabhail aige. Ma dheireadh thubhairt e, gu’n leigeadh e leo an sìol a chur anns an ìre a b fhearr a bhiodh aige, agus gum faigheadh iad na h-eich, ’s an crann aige fein a dheanamh an treabh, agus na h-eich aige fein thun a chliathadh. Bha gille òg an sin, agus thubhairt e, “Gabhaidh mise tuarasdal agad.” ’S chuir an tuathanach tuarasdal air a ghille sin. Agus se am bargan a rinn iad, gu’m b’e an tuarasdal bha gu bhith aig a ghille, na ghlacadh e de bhiceannan sìol na bheul, tra bhitheadh e a bualadh an arbhair, anns an t-sabhal. Agus bha e gus faotuinn an siol sin, a chur anns an ìre b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach, agus bha e gus na chinnead air an t-siol sin a ghleidh, agus ciod ar-bhith an sìol a ghlacadh e na bheul, tra bhitheadh e a bualadh an arbhair, a chuir comhla ris, agus sin a chur anns an ìre a b’ fhearra bh’ aig an tuathanach an ath bhliadhna. Bha e gu eich ’s crann, na gairaois air bith eile a bhiodh feumail d’a air son cur na buain, fhaotuinn o mhaighistir; agus mar sin gu ceann nan seachd bliadhna. Gu ’m bitheadh aige, seachd geamhraidhean san t-sabhal a bualadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean cinneas do’n bharr, agus seachd fogharadh’n buain, agus ciod air bhith an tighinn a mach a bhiodh an siol a’ ghille ’s na seachd bliadhna, b’e sin an duais a bha gu bhith aige tra dh’ fhalbhadh e. Chaidh an gille dachaidh thun a mhaighistir agus daonnan tra bhiodh e a bualadh anns an t-shabhal, bhitheadh a mhaighistir a bhualadh leis. Agus cha do bheir e na bheul, ach air trì bìgeannan sìl, ré a gheamhraidh sin. Agus ghleidh e iad sin gu cùramach, gus gu’n d’ thainig an t-earrach agus chuir e iad anns an ìre b’ fhearr a bh’ aig a bhodach. Chinn asda sin trì diasan, agus bha air gach dias, trì-fichead bigeannan matha sìl. [TD 308] Ghleidh an gille iad sin gu cùramach, agus ciod air bhith bigeannan sìl air an do bheir e, chuir e còmhla riu iad. Chuir e iad sin a rithis aig an earrach. Agus aig an fhogharadh a rithisd bha toradh aige cho math is a bh’ aige a bhliadhna roimh sin. Chuir an gille seachad a shiol gu cùramach, agus ciod air bhith a ghlac e na bheul, tra bha e a’ bualadh ’san ath gheamhradh, chuir e leis a chuid eile e. Agus mar sin do’n ghille, o bhliadhna du bliadhna gus ma dheireadh, a dheanamh sgeul fada goirid ga’n do chuir an’ gille, air a bhliadhna ma dheireadh da h-uile ìre threabhaidh a bh’ aig a bhodach. Agus bha corr sil aige ri chuir agus cha bu mhòr nach robh am bodach air a chreachadh. B’ fheudar d’a màl a phaidh do’n tuathanach b’ fhaigse dha, air son ìre ’san cuireadh an gille an corr sìl a bh’ aige, agus pairt de ’n spreidh aig a chreic, a chion gruinnde air an ionaltraidh iad; agus cha deanadh e baragan air a cheart doigh ri gille gu bràth tuille. From my father more than forty years ago.—JOHN DEWAR. [TD 309] LXXIX. THE PRAISE OF GOLL. From Donald MacPhie, Breubhaig, Barra. [Beurla] [TD 310] MOLADH GHUILL. Thainig coigreach an rathad na Finne a dh’ fheoraich de ’n saeorsa duine a bha ann an Goll ’s thuirt Fionn- Ard aigne Ghuill fear cogaidh Fhinn; Laoch leothar, lonn,* fulangach nach tim; Laoch, fionn, fial, a’s misle gloir; A-mhìne mìn; sgèimh gun chron. ’S e ’s glaing gean,† oide na sgoil. Amhuil righ a’s Goll na ceil ort Fhinn; Treise nan tonn; air ghaisge grinn.‡ Leomhan mar agh; crodha ’na ghniomh; Neartar a lamh; rogha nan righ. Fear daimheil, caomh, nach treig a dhaimh; An cogadh righ nach lag a lamh. * Lonn, strong. † Perhaps GEIN, a sword, of brightest sword, or of purest kin. ‡ Grinn, means excellent and beautiful, and is the superlative of praise, applicable to anything. [TD 311] Pronntach a ghair; conach* a threoir; Fiurants mìn; mileanta mor. [Beurla] LXXX. OSGAR, THE SON OF OISEIN. [Beurla] [TD 312-319] [Beurla] [TD 320] LXXXI. THE LAY OF OSGAR. From Donald MacPhie, Smith, Breubhaig, Barra; and others. [Beurla] [TD 321] LAOIDH OSGAIR. Bhe e air a radh ’san am ud gu ’m b’e Eirinn a b’ fhearr sealg na Albainn; gu ’n robh moran de dh’ fheidh chabrach mhor innte seach an Albainn seo. ’Se sin a bhiodh a’ toirt do ’n Fhinn gu ’m biodh iad cho tric an Eirinn; ach ’se fior Ghaidheil Albannach a bha annta. Thainig an Cairbre ruadh a stigh ’na righ air a’ choigeamh cuid de dh’ Eirinn air a’ cheann deas. Bha ’n Fhinn ’san am seo thall an Eirinn, ’s bha tighean comhnuidh aig Fionn anns a’ h-uile h-àite a bu tric leo a bhith stad ann. Clag a bha anns an ord Fhiannta. Cha robh e ri ’bhualadh ach an am toil-inntinn mhoir, ’san am eigin chruaidh ’s chluinnt’ ann an coig choigeamh na h-Eirionn e. Bha tigh aca air fearann a’ Chairbre ruaidh, ’s thainig iad air an taobh mu thuath de dh’ Eirinn a shealgaireachd. Bha Padruig a foighneachd de dh’ Oisean, “Am biodh an cuid arm orr’ uile nuair a rachadh iad a shealgaireachd?” Thuirt Oisean ris, “Gun ar n-eideadh, ’s gun ar n-airm, Cha rachamaid a shealg mar siud; Bhiodh airm, agus ceannabheart chorr, ’S da shleagh mhor an dorn gach fir.” Nuair a chaidh an Fhinn a shealgaireachd do’n taobh tuath dh’ fhag iad Osgar a’ gleidheadh an tighe ’s tri cheud de na seann laoich comhla ris, o bha iad trom gu coiseachd. Thuirt Oisean nuair a bha e ’dol a dh’ innseadh an t-seanachais do Phadruig. (a) [TD 322] [Beurla] [TD 323] 1—OISEAN. “Cha ’n abair mi, mo thriath, ri m’ cheol, Cia b’ oil le Oisean e nochd; Osgar agus Cairbre calma, Traghar iad ann an cath cairbhre. (1) 2 “An t-sleagh nimhe, ’s i ’n laimh Chairbre, Gu’n craidhteach i ri uair feirge; Theireadh am fitheach ri ’ghiomh, Gur h-ann leatha ’mharbht’ an t-Osgar.” 3—FITHEACH. “’S miosa theireadh e ris fhein,— Am fitheach dubh ’na mhi-cheill; A’ choigear a’ taiseadh mu (b) ’n chlar, Ach fuil fir a bhith ’gar tacadh. 4 “Com’ an tacadh ar fuil fhein, De ghiamh a th’ air ar rasgabh; Nuair a chaoineamaid chaol reachdaibh. 5—BEAN NIGHIDH. “Gairidh am fitheach, moch a maireach, Air do ghruaidh-sa anns an araich. Cuireader do shuil a gluchd; As an sin a thig na h-uiread.” Arsa fear de na sean laoich, ’s e ’faicinn dath na fala air an uisge a bh’ aice a’ nigheadh aodach Osgair. (2) [TD 324] [Beurla] [TD 325] 6 “’S dearbh gur n-aobh sin tha thu nigheadh, ’S dearg an t-aogasg a tha orra; Ach gus an d’ thainig an diugh An aobh sin cha b’ olc a h-inneal. 7—OSGAR. “A bhaobh sin, a nigheas t’ aodach, Dean-sa dhuinne faisneachd chinnteach; An tuit aon duine dhiu leinn Ma’n d’ theid sinn uile do neo-ni? 8—ISE. “Marbhar leatsa coig ceud, A’s gonar leat an righ fhein; Mar sin a’s fear Lagha dheth (2) Bhar saoghail uile gu ’n d’ thainig. (3) 9—OSGAR. “Na cluinneadh e thu, Rasg MacRuaidh, Na duine ’bheanas dh’ a shluagh; Na cluinneadh an Fhinn thu nochd, Ma ’m bi sinn uile gun mhisneach. (4) 10—OISEAN. “An cuala sibhse turas Fhinn An uair a ghluais e gu h-Eirinn? Thainig an Cairbre sleaghach, garg, A’s ghlac e Eirinn fo aon smachd. 11 “Dh’ fhalbh sinne le dian damhair,—(5) A lion de’n Fhinn ’s a bha dhinn; Leagadh leinn ar feachd, ’s ar sluagh, Air an taobh mu thuath de dh’ Eirinn. [TD 326] [Beurla] [TD 327] 12 “Chuireadh le Cairbre ’nuas Fios air Osgar cruaidh na Finne, A dhol a dh’ ionnsuidh fleadh na Finne, ’S gu’m faigheadh e cis a reir sin. 13 “Dh’ eirich, o nach d’ ob e namhaid. An t-Osgar aluinn gu Leac Righ; Tri cheud fear treun dh’ imich leis A fhreasdal dh’ a thoil ’s dh’ a fheum. 14 “Fhuair sinn onair, fhuair sinn biadh, Mar a fhuair sinn roimhe riamh; Bha sinn gu subhach a steach Maille ri Cairbre ’san Teamraidh.” (6) 15—CAIRBRE. “An latha mu dheireadh dh’ an ol” Thuirt an Cairbre le guth mor. “Iomlaid croinn sleagh b’ aill leam uait Osgair dhuinn na h-Albann.” 16—OSGAR. “Gu de an iomlaid croinn a bhiodh ort, A Chairbre ruaidh nan long-phort? A’s tric ’bu leat mi fhein ’s mo shleagh An latha cath agus comhraig.” 17—CAIRBRE. “Cha b’ uilear leamsa cis a’s cain Bhar aon seoid a bhiodh ’nar tir; ’S cha b’ uilear leam ri m’ linn a bhos, Gach seud a dh’ iarrainn gu ’m faighinn.” [TD 328] [Beurla] [TD 329] 18—OSGAR. “Cha n-’eil or, na earras, gu fior, A dh’ iarradh oirnn an righ, Gun tair, na tailceas dhuinn e, Nach bu leatsa ’thighearnais.” (7) 19 “Ach malairt croinn, gun mhalairt cinn, B’ eucorach siad iarraidh oirnn; ’S e’m fath mu ’n iarradh tu oirnn e Mise bhith gun Fhinn, gun athair.” 20—CAIRBRE. “Ged a bhiodh an Fhinn a’s t’ athair Co math ’s a bha iad riamh ’nam beatha, Cha b’ uilear leamsa ri m’ linn, Gach seud a dh’ iarrainn gu’m faighainn.” 21—OSGAR. “Na ’m biodh an Fhinn agus m’ athair Cha math ’s bha iad riamh ’nam beatha, ’S teann air am faigheadh tu sin,— Leud do thaigh ann an Eirinn.” 22—OISEAN. “Lion fuarrachd na laoch loin Ri claistinn na h-iomarbhaidh:— Bha briathrin garbha, leith mar leith, Eadar an Cairbre ’s an t-Osgar.” 23—CAIRBRE. “Bheireamsa briathar buan” ’S e ’theireadh an Cairbre ruadh; Gu’n cuireadh e sleagh nan seachd seang (d) Eadar ’airnean agus ’imleag. [TD 330] [Beurla] [TD 331] 24 “Briathar eile ’n aghaidh sin,” ’S e ’theireadh an t-Osgar calma; Gu’n cuireadh e sleagh nan naoi seang Mu chumadh fhuilt agus aodainn. AM FEAR-AITHRIS. Bha àit aig a’ Chairbre, air a dheanadh ann an carragh creige, ’s cha bhiodh mir a mach deth ach an t-aodann. 25 “Briathar buan sin,—briathar buan,” ’Se ’theireadh an Cairbre ruadh; Gu ’n d’ thugadh e sealg agus creach, Do dh’ Albainn an la’r na mhaireach. 26 “Briathir eile ’n aghaidh sin,” ’Se ’theireadh an t-Osgar calma; Gu ’n cuireadh e sleagh nan naoi seang, Mu chumadh fhuilt agus aodainn. 27 “An oidhche sin duinne gun chobhair Thall agus a bhos mu ’n amhainn; Bha doirlinn leith mar leith,—(f) Bha doirlinn mhor eadaruinn. 28 “Chualas Olla, le guth tim, Air chlarsaich bhinn a’ tuireadh bàis. Dh’ eirich Osgar ann am feirg,— ’S ghlac e ’airm ’na dhornaibh aidh. [TD 332] [Beurla] [TD 333] 29 “Dh eirich sinn an la’r na mhaireach,— Ar sluagh uile,—sin na ’bha dhinn, Thog sinn creach air Sliabh Goill Gu luath, lasgarra, lughar. 30 “Nuair a rainig sinn ann,— Bealach comhraig nan caol ghleann, ’S ann a bhlath an Cairbre ard, A’ lannaireachd a’ tighinn ’nar comhdail. 31 “Coig fichead Gaidheal garg (8) A thainig do ’n tir an uair gharbh;— Thuit siud le laimh Osgair thall, ’S e mosgladh gu righ Eirionn. 32 “Coig fichead de dh’ fhearaibh bogha Thainig air Cairbre g’ a chobhair;— Thuit siud le laimh Osgair thall, (9) ’S e mosgladh gu righ Eirionn. 33 “Seachd fichead de dh’ fhearaibh feachd (10) A thainig a tir an t-sneachd;— Thuit siud le laimh Osgair thall, Tha ’mhasladh gu righ na h-Eirionn. 34 “Seachd ficheadh fear claidheamh glas Nach deach aon troidh riamh air ’n ais, Thuit siud le laimh Osgair thall; Tha ’mhasladh gu righ na h-Eirionn. [TD 334] [Beurla] [TD 335] 35 “Ceither cheud de dh’ fhearaibh mora, (12) Thainig oirnn o thir nan leomhan; (13) Thuit siud le laimh Osgair thall, Tha ’mhasladh gu righ na h-Eirionn. 36 “Coig fichead de chlannaibh righ D’ am bu dual gaisge ’s mor ghniomh; Thuit siud le laimh Osgair thall, Tha ’mhasladh gu righ na h-Eirionn. 37 “Mungan MacSeirc a bu namh, A chomhraigeadh ceud claidheamh glas; Thuit siud le laimh Osgair thall, Tha ’mhasladh gu righ na h-Eirionn. 38 “An coigear a b’ fhaisge do ’n righ, Bu mhor gaisg’ agus gniomh; Thuit siud le laimh Osgair thall, Tha ’mhasladh gu righ na h-Eirionn. 39 “An uair a chunnaic an Cairbre ruadh, Osgar a snaidheadh an t-sluaigh; A’ chraosach nimhe ’bha ’na laimh, Gu ’n do leig e i ’na chomhdhail. 40 “Thuit Osgar air a ghluin deis, ’S an t-sleagh nimhe roimh a chneas; Thug e urchair eile null, ’S mharbhadh leis righ na h-Eirionn. [TD 336] [Beurla] [TD 337] 41—CAIRBRE. “Eirich Art a’s glac do chlaidheamh, A’s seas ann an àite t’ athar; ’S ma gleibh thu do dhiol saoghail, Saoilidh mi gur mac righ thu.” 42 “Thug e urchair eile ’n airde;— Air leinne gu ’m bu leoir a h-airde, Leagadh leis, aig meud a chuimse, Art MacChairbre air an ath urchair.” AM FEAR-AITHRIS. Bha Cairbre marbh, ’s bha Osgar air a ghluinean. ’san t-sleagh roimhe. Bha ceap aig Cairbre air a dheanadh ris o’ chreig, ’s chuir iad an ceap air a chreig, air dhoigh ’s gu ’n saoileadh Osgar gu ’n robh esan beo. 43 “Chuir a chum an righ mu cheap Sluagh Chairbre bu gharbh gleachd, An los gu’n buinte leo buaidh larach, Air faicinn daibh Osgar gu craidhteach. 44 “Thog e leac a comhnard cruaidh, Bhar na talmhuinne taobh-ruaidh; Bhrisd e ’n carragh air an robh ’n ceap, Gniomh mu dheireadh mo dheag mhic.” 45—OSGAR. “Togaibh leibh mi nis Fhianna, Nior thog sibh mi roimhe riamh; Thugaibh mi gu tulaich ghlain, Ach gu ’m buin sibh dhiomh an t-aodach.” [TD 338] [Beurla] [TD 339] 46—OISEAN. “Chualas aig an traigh mu thuath Eibheach sluaigh a’s faobhar arm, Chlisg ar gaisgich gu luath Ma ’n robh Osgar fhathasd marbh.” 47—OSGAR. “Marbhphaisg ort a mhic na buadha, Ni thu breug an darna uair dhuinn; Luingeas mo sheanar a th’ ann, ’S iad a’ teachd le cobhair thugainn.” 48—OISEAN. “Bheannaich sinn uile do dh’ Fhionn, Gad tha cha do bheannaich dhuinn; Gus an do rainig sinn tulach nan deur, Far an robh Osgar nan arm geur.” AM FEAR-AITHRIS. Leighseadh Fionn creuchd sam bith a bhiodh air neach san Fhìnn, ach gun puinsean a bhith ann. 49—FIONN. “’S miosa ’mhic a bhiodh tu dheth, An latha catha air Beinn Eudainn; Shnamhadh na corran roimh d’ chneas, ’S i mo lamhsa rinn do leigheas.” 50—OSGAR. “Mo leighas cha n ’eile e ’fas, ’S cha mhò a niotar e gu bràch; Chuir an Cairbre sleagh nan seachd seang Edar m’ imleag agus m’ airnean. [TD 340] [Beurla] [TD 341] 51 “Chuir mise sleagh nan naoi seang Mu chumadh fhuilt-san agus aodainn; An gath domhainn a m’ thaobh deas Cha dual do’n leigh a leigheas.” 52—FIONN. “’S miosa ’mhic a bhiodh tu dheth, Latha catha sin Dhun Dealgain. Shnamhadh na geoidh roimh d’ chneas, ’S i mo lamhsa rinn do leigheas.” 53—OSGAR. “Mo leigheas cha n-’eil e ’fas, ’S cha mho a dh’ eireas mi gu bràch; Chuir an Cairbre sleagh nan seachd seang Eadar m’ imleag agus m’ airnean. 54 “Chuir mise sleagh nan naoi seang Mu chumadh fhuilt-san agus aodainn; An gath domhainn a’ m’ thaobh deas Cha dual do ’n leigh a leigheas.” (16) 55—OISEAN. “’Sin an uair a chaidh Fionn, Air an tulaich as a chionn; Shruthadh na deoir sios o ’rasgaibh, ’S tionndaidh e ruinn a chul.” 56—FIONN. “Mo laogh fhein thu—’laoigh mo laoigh, A leinibh mo leinibh ghil chaoimh Mo chridhe ’leumraich mor lon; (17) Gu lath bhràch cha ’n eirich Osgar! [TD 342] [Beurla] [TD 343] 57 “Donnalaich nan con ri m’ thaobh, Agus buirich nan seann laoch; Gairich nam ban mu seach; (18) Siud an rud a ghon mo chridhe. 58 “’S ann a shaoil mi roimhe riamh, (19) Nach cridhe feola ’bha ’na m’ chliabh; Ach cridhe de ghuin na cuilinn Air a chomhdachadh le stailinn. 59 “’S truagh nach mise thuiteadh ann An cath Cairbhre, an gniomh nach gann; A’s tusa, ’n ear agus an iar A bhiodh roimh na Fianntan Osgair.” 60—CONAN. “Gad a bu tusa ’thuiteadh ann An cath Cairbhre an gniomh nach gann, Ochon! an ear na ’n iar A’ t’ iargain cha bhiodh Osgar.” 61—OISEAN. “Thog sinn leinn an t-Osgar aluinn Air ghuaillibh ’t air shleaghaibh arda; Thug sinn as iomchar ghrinn Gus an do rainig sinn taigh Fhinn. 62 “Cha chaoineadh bean a mac fhein, ’S cha chaoineadh fear a bhrathair caomh, ’S cia lion ’s a bha sinn mu ’n teach; Bha sinn uile caoineadh Osgair.” [TD 344] [Beurla] (1) Cairbhre, abounding in carcases, producing carcases; from cairbh, a carcase. H. M‘L. Gabhra, in Gillies. J. F. C. (2) Araon ’s am fear a (laghadh Laoidheadh) dh’e. J. F. C. (3) Together, and one who would sing of it (a reading in Gillies.) J. F. C. (4) This introduction is given in Gillies; it varies somewhat from this, but it is not a whit more comprehensible. J. F. C. (5) Damhair, hurry. (6) Teamhradh, a royal residence; from tàmh righ, king’s dwelling, or rest, “Temora.” (7) Tighearn, a lord, or proprietor of land; from ti fhearann, person of lands. In this line tighearnas is used in the same sense as majesty. Tighearn was evidently synonymous with Righ, king, at one time, and is no doubt the same word as the Greek, turannos, a king. H. M‘L. (8) From this line it might be inferred that the Gaels at some period were not the native race in the south of Ireland. H. M‘L. (9) Tha mhasladh gu righ na h-Eirionn.—Patrick Smith. This seems to me to be the better line, as the one inserted hardly makes sense. H. M‘L. (10) The Scandinavian race. H. M‘L. (11) Bear, son of Love. (12) This stanza is from Patrick Smith, who, in the enumeration of the heroes, invariably uses ceithir ceud, four hundred. H. M‘L. [TD 345] 63—FIONN. “Bàs Osgair a chraidh mo chrì, Triath fear Eirionn ’s mor g’ ar dith; Cait am facas riamh ri d’ linn, Aon cho cruaidh riut air cul lainn. 64—OISEAN. “Nior chuir Fionn deth crith a’s grain G’n latha sin gu la bhràch; Cha ghabhadh, ’s cha b’ fheairde leis Train de ’n bheatha gad dh’ abruinn. (13) The Phœnician or Carthaginian race. H. M‘L. (14) Here Osgar exults in having given the nobler wound. H. M‘L. (15) (?) The winds. (16) Na ’n ruigeadh mo dhuirn a chneas, Cha deanadh an leigh a leigheas. (17) ’Se mo chreach nach eirich Osgar.—Patrick Smith. (18) Gul a’ bhannail ’caoidh mu seach.—Donald MacPhie. (19) These lines are put in the mouth of Oscar by some reciters, and in the version published by MacCallum, which would imply that Oscar’s fortitude gave way from the pain of his wounds; but this is altogether inconsistent with the character ascribed to Oscar in all Fenian tales and poems, while, on the contrary, when uttered by Fionn, the loftiest heroism that can be conceived is represented; the steel-encased holly heart overpowered by deep feeling; the stern, indomitable old captain completely subdued by the tears of warm and generous affection. H. M‘L. Part of this poem was recited to me by Patrick Smith, South Boisdale, South Uist, September 17, 1860. The whole of it as written here, excepting a few lines peculiar to Smith’s version, was got from Donald MacPhie, smith, Breubhaigh, Barra, October 1, 1860. It seems to be a fragment of a much larger poem, some peculiar ancient drama. The commencement is rather obscure, and it is not easy to make sense of some of the lines. H. M‘L. (20) This abrupt termination seems to indicate more to follow, or a repetition of the first line, which seems to be the usual termination of these poems. J. F. C. [TD 346] (a) This introduction is curious. The Irish tradition is, that Scotland was the hunting ground of Fionn. The lay is part of a dialogue between the old poet and St. Patrick, which savours of Irish extraction; but Barra is a Roman Catholic district. (b) Moistening, Taiseadh. This seems to refer to some ancient method of soothsaying connected with washing clothes. In broad Scotch it is mentioned in an old song, which I quote from memory— “My droukit sark sleeve I was waulking, His likeness can ben the house stalkin’, The verra grey breeks o’ Tam Glen.” In Britany (Foyer Breton, vol. i., 144), the night washerwomen (kannérez-noz) were a troop of ghosts, which appeared on a certain night in November. They washed, they dried, and they sewed the shroud of the dead who yet walk and talk, singing,— “Till there come Christians’ saviour, We must bleach our shrouds, Under the snow and the wind.” They asked passengers to help to wring the wet sheets, and if a man turned the clothes with them it was well, if he turned against them he was crushed, and died. Taisbean, s.m., means a vision, an apparition. Taisbein, v.a., to reveal. Taisgeal, s.m., the finding of something lost, and I have heard “an Taistear” used as a term of opprobrium. The collector is unable to explain the passage, but this seems to be an imperfect explanation of it. The raven has been a soothsayer time out of mind. (c) This 8th stanza seems imperfect, and it is very hard to make any sense of it as it stands, but supposing that I am right in my explanation, this might be an exclamation of the mystic washerwomen previous to their disappearance. See note (2), page 344. (d) ’Seang probably refers to the slender, sharp, tough, qualities of a spear. Three slender points and three thin edges make a barbed head, and a tough springy shaft makes a spear of seven “seang,” add to that a couple of slender cords for throwing the weapon, of which there are traces in Irish stories; and we have [TD 347] a spear of nine “seang,” slenders, and a phrase similar to the “binding of the three smalls.” (f) This line is given in Armstrong’s dictionary under the word doirlinn. (g) The geese might float. This, taken literally, is absurd, and is at variance with the spirit of the rest of the poem. I suspect, therefore, that the word which now means geese, and nothing else must have had some other meaning, as the word which means herons in verse 49 also means any crooked cutting instrument. It might be gaoithe, winds, and suggest the idea of the breath escaping from the wound. [TD 348-356] LXXXII. HOW THE EEN WAS SET UP. From Angus MacDonald, Stoneybridge, South Uist. [Beurla] [TD 357] MAR A CHUIREADH SUAS AN FHINN. BHA righ aon uair air Eirinn leis am bu duilich cis a leag na Lochlannaicn air Alba ’s air Eirinn. Bha iad a’ tighinn air a rioghachd fhein an am fobhair agus samhraidh ’gam beathachadh fhein air a chuid, ’s iad ’nan daoine calma, laidir; ag itheadh ’s a’ milleadh ’na ’bha na h-Albannaich ’s na h-Eirionnaich a’ deanadh ri bliadhna eile. Chuir e fios air comhairleach a bh’ aige ’s dh’ innis e dha na ’bha ’na bheachd; gu ’n robh toil aige air doigh fhaotann air na Lochlannaich a chumail air an ais. Thuirt an comhairleach ris nach cinneadh siud leis an gradaig, ach na’n gabhadh e chomhairle-san gu ’n cinneadh e leis ri uine. “Pos,” ars’ an comhairleach, “an ceud fear agus an ceud bean a’s mò an Eirinn air a’ cheile; pos an sliochd air a cheile a rithis; leig an treas ginealach an coinneamh nan Lochlannach.” Chaidh seo a dheanadh, ’s nuair a thainig an treas ginealach gu h-inbhe dhaoine thainig iad a nall a dh’ Albainn agus Cumhal air an ceann. Chinnich leo na Lochlannaich a sgrios ’s a chur air an ais. Rinn Cumhal righ deth fhein an Alba an uair sin leis na daoine seo, ’s cha leigeadh e Lochlannach na Eirionnach a dh’ Albainn ach e fhein. Bha seo ’na dhoilgheas le righ Lochlann, ’s rinn e suas ri righ Albann gu ’m biodh cairdeas eatorra thall ’s a bhos an uair sin. Chuir iad ri cheile, na tri righean, righ Lochlann, ’s righ Albann, ’s righ Eirionn, gu ’m biodh bàil mor damhsaidh aca, ’s gu ’m biodh cairdeas agus reite eatorra. Bha sgeim eadar righ Eirionn agus righ Lochlann righ Alba a chur gu bàs. Bha Chumhal cho treun ’s nach robh innleachd air a chur gu bàs, mar am marbhta le a chlaidheimh fhein e, [TD 358] nuair a bhiodh e dìolta òil agus mnatha, ’na chadal. Bha ’roghainn aige de dh’ aona bhoireannach a bha ’s a’ chuideachd, agus ’s i nighean righ Lochlann a ghabh e mar roghainn. Nuair chaidh iad a luidhe bha duine anas a’ chuideachd d’ am b’ ainm Arcan dubh, a shonraich iad airson am mort a dheanadh nuair a bhiodh iad ’nan cadal. Nuair n chaidil iad fhuair Arcan dubh claidheamh Chumhail ’s mharbh e leis e. Bha ’m mort deanta ’s bha ’h-uile cuis ceart. Bha Alba fo na Lochlannaich ’s fo na h-Eirionnaich, ’s bha claidheamh Chumhail aig Arcan dubh. Dh’ fhag righ Lochlann a phiuthar aig righ Eirionn, ’s ordua aige na ’m bu leanabh mic a bhiodh aice a mharbhadh, ach na’ m bu leanabh nighinn a bhiodh ann a cumail beo. Bha faidheachd ag innseadh gu ’n d’ thigeadh Fionn Mac Chumhail, ’s gur h-e ’n comharra a bha air seo, amhainn a bha an Eirinn, nach marbhta breac urra gus an d’ thigeadh Fionn. ’S e a thionndaidh a mach a thoradh na ceud oidhche a bha ’n sin gu ’n d’ rug nighean righ Lochlann mac agus nighean do Chumhal. Cha robh piuthar aig Fionn ach i seo, ’s b’ i mathair Dhiarmaid. An oidche a rugadh iad theich a mhuime leis a’ mhac, ’s chaidh i do dh’ àite fasail leis, ’s bha i ’ga bheathachadh ’s ’ga chumail suas an sin gus an do thog i ’na leanabh foghainteach, tlachdar e. Smaointich i gu ’m bu duilich leatha e ’bhith gun ainm aice. ’S e ’n ni a rinn i dh’ fhalbh i leis thun a’ bhaile feuch am faigheadh i innleachd air ainm a thoirt air. Chunnaic i sgoilearan a’ bhaile a’ snamh air loch uisge. “Falbh a mach cuide riutha siud,” ars’ ise ris, “’s ma gheibh thu greim air h-aon cuir fodha e ’s bàth e, ’s ma gheibh thu greim air dithis cuir fodha iad ’s bàth iad.” Ghabh esan a mach air an loch ’s thoisich e air bàthadh na cloinne. Thuit gu ’n robh fear de dh’ easbuigean an àite ’ga choimhead. “Co,” ars’ esan, “am Mac Maol Fionn ’ud, ’s rasg righ ’na cheann a tha a’ bàthadh nan sgoilearan?” “Gu meal e ainm,” ars’ a mhuime, “Fionn Mac Chumhail Mhic Fhinn Mhic Uile-bheurais, Mhic Art, Mhic Ard-righ Eirionn, ’s tha uams’ a bhith ’gam thoirt fhein as.” Thainig esan, an sin, air tir agus sgriob ise leatha e. Nuair a bha ’n toir gu breith orra leum e bhar muin a mhuime, ’s rug e air chaol da chois urra, ’s chuir e mu amhaich i. Chaidh e staigh roimh choille leatha, ’s nuair a thainig e mach as a’ choille cha robh aige ach an da lurga. Thachair loch ris an deigh tigh- [TD 359] inn a mach as a’ choille ’s thilg e ’n da chois a mach air an loch. ’S e Loch nan Lurgann a theirte ris an loch as a dheigh seo. Dh’ fhas da bheist mhoir a da lurgann muime Fhinn. ’S e siud an cairdeas a bh’ aige ri da bheist Loch an Lurgann. Dh’ fhalbh e ’n seo, ’s e gun bhiadh gun dibh, ’ionnsuidh a’ bhaile mhoir. Choinnich Arcan dubh, ag iasgach air an amhainn, e, agus cu air cuideachd ris, Bran Mac Buidheig. “Cuir a mach an t-slat air mo shonsa,” ars’ e ris an iasgair, “’s an t-acras orm, feuch am faigh thu breac dhomh.” Luidh am breac ris, ’s mharbh e ’m breac. Dh’ iarr e ’m breac air Arcan dubh. “S tusa ’m fear,” ars’ Arcan dubh, “nuair a dh’ iarradh tu ’m breac, ’s mise ’g iasgach o cheann bhliadhnaichean do ’n righ, ’s gun breac agam da fhathasd.” Dh’ aithnich e gur h-e Fionn a bh’ aige. Gus an sgeul a chur an aithghearr, mharbh e breac do ’n righ, ’s d’a mhnaoi, ’s d’a mhac, ’s d’a nighinn, ma ’n d’ thug e gin do dh’ Fhionn. Thug e ’n sin breac da. “Feumaidh tu,” ars’ Arcan dubh, “am breac a bhruich an taobh thall de ’n amhainn, ’san teine ’n taobh seo di, ma ’m faigh thu mir deth ri ’itheadh; ’s cha ’n fhaigh thu cead maide ’tha ’s a’ choille a chur a ’bhruich.” Cha robh fios aige ’n seo dé a dheanadh e. ’S e an ni a thachair air tor min shaibh, ’s chuir e ’na teine i thar na h-amhann. Thainig tonn de ’n lasair a nall ’s loisg i ball air a’ bhreac, ni a bha air a bhacail. Chuir e ’n seo a mheur air a’ bhall dubh a thainaig air a bhreac, ’s loisg e i, ’a chuir e ’n sin ’na bheul i. Fhuair e ’n seo fios gur h-e Arcan dubh seo a mharbh ’athair; ’s mar am marbhadh esan Arcan dubh, ’s e ’na chadal, gu ’m marbhadh Arcan dubh esan an uair a dhuisgeadh e. ’Se ’n ni a bha ann mharbh e ’m bodach. Fhuair e ’n sin cu ’s claidheamh; ’s e b’ ainm do ’n chu Bran Mac Buidheig. Smaointich e ’n sin nach d’ thoireadh e ’n Eirinn na ’b’ fhaide, ach gu ’n d’ thigeadh e dh’ Alba airson saighdearan ’athar fhaotainn. Thainig e air tir am Farbaine. Fhuair e ’n sin meall mor a dh’ Ataich, daoine gnathasda. Thuig e gu ’m b’ e na saighdearan a bha aig ’athair a bha ann, ’s iad ’nan ciomaich bhochd aig na Lochlannaich, a’ sealg daibh, ’s gun iad a’ faotainn ach an t-iomall ’na theachd-an-tir dhaibh fhein. Thug na Lochlannaich uatha na h-airm nuair thigeadh cogadh na ni sam bith eagal eiridh leis na naimhdean. Bha aon duine sonraicht, aca [TD 360] airson togail nan arm sin d’ am b’ ainm Ullamh Lamh-fhada. Chruinnich esan na h-airm ’s thug e leis iad uile, ’s thuit gu ’n robh claidheamh Fhinn ’nam measg. Dh’ fhalbh Fionn as a dheigh ’s e ’g iarraidh a chlaidheimh fhein. Nuair a thainig iad an sealladh an airm Lochlannaich thubhairt e. “Fuil air fear ’s fear gun fhuil, Gaoth thar sluaigh, ’s truagh gun Mac an Luin.” “Dé a bhith g’ am buin sin?” arsa Ullamh Lamh-fhada. “A’ chorcag chlaidheimh a bha agam,” arsa Fionn, “thug sibh leibh a measg chaich i; ’s misde mise gum’ dhìth i ’s cha ’n fheairde sibhse agaibh i.” “Dé ’n t-euchd a b’ fhearr a dheanadh tu leatha na ’m biodh i agad?” “Cheannsaichinn an treas cuid de ’na chi mi mu m’ choinneamh de shluagh.” Thug Ullamh Lamh-fhada lamh air na h-airm. An claidheamh a bu choltaiche ’s a b’ fhearr a fhuair e ann thug e dha e. Rug e air ’s chrath e e, ’s thilg e as a mhaide feadain e, ’s ars’ e, “’S e fear dh’ an ealtuinn dhuigh a th’ ann; Cha b’ e, Mac an Luin—mo lann; Cha bu lochd a thoirt a truaill, Bhar uain cha d’ thugadh e ’n ceann.” Thuirt e ’n dara uair na briathra ciadhna. Thuirt e ’n treas uair, “Fuil air fear agus fear gun fhuil, Gaoth thar sluaigh ’s truagh gun Mac an Luin.” “De a dheanadh tu leis na ’m faigheadh tu e?” “Dheanadh gu ’n ceannsaichinn uile na’ chi mi.” Thilg e air lar na h-airm uile. Fhuair Fionn a chlaidheamh, ’s ars’ e ’n sin, “’Se seo fear mo laimhe deise-sa.” Thill e ’n sin ’ionnsuidh nan daoine a dh’ fhag e. Fhuair e ’n t-ord Fiannta ’s sheinn e e. Chruinnich na bha ’n taobh deas de dh’ Alba de na Fianntaichean far an robh e. Dh’ fhalbh e leis na daoine seo, ’s chaidh iad am bad nan Lochlannach, ’s a’ chuid nach do mharbh iad diu sgiurs iad a Alba iad. From Angus MacDonald, Staoine-breac, South Uist, September 14, 1860. This story is very popular in South Uist and Barra, and is known to the most of old people in these islands.—H. M‘L. [TD 361-362] LXXXIII. THE REASON WHY THE DALLAG (DOG-FISH) IS CALLED THE KING’S FISH. From Angus MacKinnon, South Uist. [Beurla] [TD 363-366] THE LAY OF MAGNUS. [Beurla] [TD 367-383] LXXXIV. MANUS. From Donald MacPhie, Iochdar, South Uist. [Beurla] [TD 384] [Beurla] Mharbh mis e air truigh Chliabhain mu thuath, Far an do thuit do mhor shluagh Gun taing do dhuin’ agaibh d’a chionn, A dh’ fhas riamh an rioghachd Lochlann. I slew him on the strand of Cliabhain in the north, Where fell thy mighty host, In spite of a man of you of any kin, That ever waxed in the realm of Lochlann. An seo nuair dh’ aithnich Fionn, Gun robh miothlachd ri bhith ann; Thoisich Fionn an sin, Air deanadh rann. Here now when Fionn perceived, That ill blood was to be, Then Fionn began At making rhymes. [TD 385] “Na’m bithinns’ a’m’ ghobha, ’S math a dheanainn sgeanan, Chuirinn cruaidh ’nan saidhean,* ’S chuirinn siom† ’nan roinnean.‡ Chuirinn casan fraoich, Le ’n cinn bhuidhe, Ann an cuil thiugha, Nam faobhar tana.” If I were a smith, Well I’d make knives, I’d put temper in handles, I’d put shimmer on points. I’d put hafts of heather, With their ends of yellow, In the thick backs Of the keen edges. Then they arose and they fell upon each other. They had but their knives, and the Lochlanners were under full arms. Said Fionn— “Where are thy great vows, Manus? They were left where they were found,” said Manus. “Cáite am bheil na mionnan mor a Mhanuis? Dh’ fhagas far an d’ fhuaras iad,” thar Manus. [Beurla] * SAIDHEAN. The part of a knife or sword which goes into the haft. There is no equivalent in English, so far as I know. † SIOM. An image reflected by a blade from high polish. ‡ ROINN. The point of a sword, dagger, or knife. [TD 386] [Beurla] MANUS. BHA righ Lochlann ann, ’s phos e, ’s rugadh dithis mac da. ’S e Oireal a bha air an darna fear agus Iarlaid air an fhear eile. Dh’ eug an athair ’s am mathair. Shuidh Parlamaid arson cileadaireachd a chur air an rioghachd gus an d’ thigeadh a’ chlann gu [TD 387] h-aois, ’s gus an gabhadh iad bòidean na rioghachd orra fhein. Chuir iad fios air na gillean; ’s bha Oireal ’na dhuine meata; ’s e Iarlaid a bu mhotha. Thuirt Oireal ris a’ pharlamaid nach gabhadh e gnothach fhathasd ris an rioghachd. “Plochd cha bhi agaibh di,” arsa a’ pharlamaid, “mar an gabh sibh an diugh i.” Ars’ Iarlaid ri Oireal, “Gabh thusa an dara leith ’s gabhaidh mise an leith eile.” “Mata,” ars’ Oireal, “ni mi sin.” Sgriobhadh an rioghachd air na gillean. An am beagan bhliadhnachan phos Iarlaid nighean righ na Greige, ’s phos Oireal nighean righ Sgiath sgial, righ na h-Arcuinn. Thug Sgiath sgial seisear mhnathan coimhideachd le a niginn ’s thug righ na Greige ’leithid eile le a nighinn fhein. Tri raithean o’n oidhche sin bhuail anacair cloinne nighean righ na Greige, ’s cuideachd bhuail anacair chloinne nighean Sgiath sgial, ’s rugadh mic dhaibh, ’s rugadh da mhacdheug do na mnathan coimhideachd. Thugadh Manus air mac Oireil, ’s Eochaidh air mac Iarlaid. Thoisich na mic air tighinn air an aghaidh. Bha Manus a’ fas mor, ’s cha robh Eochaidh ach beag. Chuireadh do ’n sgoil iad, ’s bha a chomhdhaltan fhein comhla ris a’ h-uile fear aca. Bha iad ag iomain air an fhaiche ’tighinn as an sgoil, ’s chuir Manus am ball air Eochaidh. “Bidh rioghachd m’ athar fhein agamsa,” arsa Manus. Thuirt nighean righ na Greige, “B’e mo thoil crioch mhoirt, agus mhillidh, agus mharbhaidh, a chur air Manus.” “Mata b’ e sin a bu mhor am beud a chur air mac mo bhrathar fhein,” ars’ an righ. “Mar an dean thusa e, ni mise e,” ars’ ise. Dh’ fhalbh i staigh ’s bhuail i leideag air a mac fhein, ’s chuir i mach as an taigh e. “Falbh,” ars’ ise, “’s thoir ceithir ranna ruadha an t-saoghail ort, ’s na faiceam air do bhonn air an fhonn (a) chiadhna thu fhad ’s a bhitheas an saoghal air suidheachadh. Bheir mise leam Manus ’s bidh e ’na mhac agam fhein.” Thug i Manus a staigh leatha fhein agus chuir i ’mac fhein air grianan aluinn, aon chasach, far am faiceadh e a’ h-uile duine, ’s nach fhaiceadh duine e. Bha Manus a staigh aice ’s cha robh e a’ faighinn dol a dh’ amharc a mhathar idir. Thuirt a mhathair, an siud, gu ’n rachadh i far an robh a mhuime ’s gu’n gabhadh i a comhairle. Ann an ceann bliadhna chuir i fios air Manus. [TD 388] Ann am beagan bhliadhnachan chuir bean bhrathar ’athar fios air Manus. “Dé a Mhanuis,” arsa nighean righ na Greige, “a tha thu a’ smaointeachadh a dheanadh an diugh? Ma phosas thu gheibh thu an treas cuid de ’n rioghachd; fonn (a), a’s fearann, agus ionmhas.” “Mata cha ’n ’eil aois posaidh agams’ ann,” ars’ esan. “Cha ruig thu leas sin,” ars’ ise, “tha aon fhear air an fhearann agam fhein a fhreagras duit. Theid thu a dh’ iarraidh a nighinn agus posaidh tu i. ’Se Iarla na Fiughaidh a th’ ann. Posaidh tu nighean Iarla na Fiughaidh.” Dh’ fhalbh i ’s thug i leatha corr-theaghlach, ’s bheireadh i leatha coig ceud fear. Rainig i taigh Iarla na Fiughaidh a’ toirt do Mhanus a’ posadh. Thuirt bean Iarla na Fiughaidh rithe, “Cha ’n ’eil aois posaidh aig mo nighinnsa fhathasd, ’s cha ’n ’eil aois posaidh aig Manus.” “Mata,” arsa nighean righ na Greige, “taigh na tulach cha bhi agad air an fhearann agamsa mar an d’ thoir thu do nighean da.” Smaointich an duine nach robh math dha a diultainn, ’s phosadh Manus agus nighean Iarla na Fiughaidh ri ’cheile. Chaidh iad a luidhe an oidche sin an taigh bhrathar ’athar. “An tu seo a Mhanuis, a mhic àidh agus a dhuine dhona? Am bheil fios agad dé a’ bhean a thug i siud do dh’ Eochaidh, a mac fhein? Thug a’ gaoth luimneach Mhairt. Cha ’n ann ri mnaoi shaoghalta a phos i e; gus an d’ thugadh e ’n ceann diotsa. Thusa agus bean agad air do leabaidh trath oidhche! (b) bidh thu ’dol as a’ h-uile latha, ’s cha chum thu cath risean.” “An ann mor seo a tha?” arsa Manus. Chaidh e far an robh ise. “Bi ’fagail na rioghachd,” arsa bean bhrathar ’athar ris, “air neo cha bhi agad ach na ’bheir thu g’ a chionn.” “B’ e,” ars’ esan, “an treas cuid a gheall thu domh de ’n rioghachd.” “Plochd cha bhi agad an seo,” ars’ ise; “tha do chuid fo chlachan agus fo gharbhlach anns an t-seana Bheirbhe.” (c) “Mata, o’n a tha thu ’gam chur air falbh, thoir dhomh seisear chomhdhaltan Eochaidh, ’s gu ’m biodh a dha dheug agam.” Fhuair e siud. Dh’ fhalbh e ’s thug e air an t-seana Bheirbhe.† Nuair rainig e ’n t-seana Bheirbhe cha robh a chridhe aig duine dol a choir a’ chaisteil. Bha caoraich anns an t-seana Bheirbhe agus ’se na caoraich chorrachar a theirte riutha. Bhuail iad air [TD 389] deanadh sluichd ’san talamh. Bha na caoraich a’ dol ’san t-slochd ’s iad a’ breith orra; ’s bha iad ’gam marbhadh ’s a’ cumail feola riutha fhein. Bha iad bliadhna mar seo ’s an t-seana Bheirbhe. “Bhuais e! Bhuais e!” arsa Manus, “tha bliadhna o’n a chunnaic mi mo muime. ’S fhearra dhomh dol a’ faicinn. “Cha b’ e mo chomhairle duit dol ann,” ars’ iadsan; ach ma tha thu a’ falbh tha da chomhdhalta dheug agad, ’s thoir leat iad.” “Cha chuideachadh suarach dhomh fhein iad a bhith leam,” ars esan. Ghabh e air falbh agus bha nighean righ na Greige ag amharc a mach air uinneig ’s mhothaich i do Mhanus a’ tighinn. Chaidh i sios far an robh brathair ’athar. “Tha mac do bhrathar a’ tighinn an seo,” ars’ ise “le criosan duinte, daite, air a thaobh cli, air am faighte gaol ban og agus gradh mhaighdeannan.” Gu ’m b’ ann g’ a toilse crioch mhoirt, agus mharbhaidh, agus mhillidh a chur air. Thuirt brathair ’athar gu ’m bu mhor am beud siud; ’s nach biodh esan an lathair siud a chur air. “Mar an dean thusa e ni mise e,” ars’ ise. Chaidh i mach as an taigh ’s thug i a dha chomhdhalta dheug uaidh ’s mhionnaich i iad di fhein. Dh’ fhalbh esan air ais gus an t-seana Bheirbhe leis fhein gu dubhach, deurach bronach; ’s bha ’n t-anmoch ann. De a chunnaic e ach fear earraidh dheirg. (d) “An tu seo a Mhanuis?” ars’ esan. “’S mi,” arsa Manus. “Tha mi ’smaointeachadh, na ’m biodh olc na mhath de dh’ airm agad, gu ’m faigheadh thu d’ righ air Lochlainn.” “Cha ’n ’eil sin agam,” ars’ esan. “Mata,” arsa fear an earraidh dheirg, “na ’n d’ thugadh tu gealltanas domhsa bheirinn airm dhuit.” “De ’n gealltanas a bheir mise dhuit? Cha ’n ’eil dad agam ri ’thoirt duit.” “Mata cha n’ iarr mi moran ort; bha mi ann a’m’ fhear pasgaidh arm aig do sheanair ’s aig do shionseanair; na ’n d’ thugadh tusa gealltanas domh gu ’m bithinn ann a’ m’ fhear pasgaidh arm agad bheirinn airm duit a nochd.” “Bheir mise sin duit ma ’s e gu ’m bi mi gu brach a’ m’ righ.” Dh’ fhalbh iad ’s rainig iad an taigh. Thug fear an earraidh dheirg iuchair a mach ’s dh’ fhosgail e ’n dorus, ’s nuair a dh’ fhosgail e e bha ’n taigh sin lan arm; ’s gun bìdeag ann ach airm. [TD 390] “Siùd a nis ’s tagh airm,” arsa fear an earraidh dheirg. Rug Manus air claidheamh ’s bhrisd e, ’s a’ h-uile fear a bha e ’breith air bha e ’ga bhrisdeadh. “Na dean a Mhanuis,—na bi a’ brisdeadh nan arm, ’s gun fhios nach bi feum agad orra fhathasd. Nuair a bha mise ann a’ m’ dhuine og bha cogadh aig do sheanair, ’s bha seana chlogad, agus seann luireach orm. Feuch iad.” Arsa fear an earraidh dheirg. Rug Manus air a’ chlaidheamh ’s dh’ fhairtlich air a bhrisdeadh. Chuir e ’n clogadh ’s an claidheamh uime. Dé a chunnaic e ’n sin ach brot (e) a nuas a driom an taighe. “Dé air am math am brot ud?” arsa Manus. “Tha,” ars’ esan, “nuair a sgaoileas tu oirean air seilbh bidh agus dibhe, gheibh thu e mar a chosgas tu. Tha buaidh eile air; na ’n coinneachadh namhaid thu, a’ gabhail seachad, bheireadh e pog do chul do dhuirn.” Thug e ’m brot do Mhanus, ’s phaisg e’m brot na achlais. Dé a chunnaic e ach slabhraidh iaruinn a nuas a driom an taighe. “Dé air am math an t-slabhraidh ud?” arsa Manus. “Cha ’n ’eil creutair, air an t-saoghal, a chuirte siud mu amhaich nach biodh comhrag ceud fear air,” arsa fear an earraidh dheirg. Thug Manus leis an t-slabhraidh. Nuair a bha e a’ falbh dé a chunnaic e ach da leomhan agus cuilean aca. Thainig na leomhain mu choinneamh, ’s iad gus itheadh, ’s gus a sgath. Sgaoil e ’m brat, ’s thainig na leomhain ’s phog iad cul a dhuirn, ’s ghabh iad seachad air. Dh’ fhalbh an cuilean leomhain feadh a’ bhruit ’s phaisg e ’m brot mu ’n cuairt air. Phaisg e ’m brot mu ’n cuairt air ’s thug e leis gus an t-seana Bheirbhe e. Nuair a rainig e ’n t-seana Bheirbhe bha nighean Iarla na Fiughaidh a staigh. Chuir e ’n t-slabhraidh mu amhaich a’ chuilean leomhain. Dh’ fhalbh an cuilean leomhain ’s ghlan e ’n caisteal, ’s cha d’ fhag e creutair na uile bheist beo ann. Chuir e teine anns a’ chaisteal. Bha e bliadhna an seo ann ’s cha robh dith air. Chaidh e mach latha ’s thuirt e gu ’n rachadh e dh’ amharc a mhuime. Thug e leis an cuilean leomhain ’s dh’ fhalbh e. Mhothaich ise dha a’ tighinn. Bha claidheamh air a thaobh an latha sin. Thainig i mach ’na choinneamh ’s bha measan donn aice. Ghabh e ’n coinneamh Mhanuis, ’s a bheul fosgailte, gus Manus a sgath agus itheadh. Dh’ fhalbh an cuilean leomhain ’s ghabh e air thois- [TD 391] each air Manus, ’s chuir e ’spog ann an cul a’ bhraghaid aig a mheasan aice-se, ’s leig e ’mhionach a mach gu talamh. “Siud a Mhanuis,” ars’ ise, “ach cuir do chuilean a staigh air driom taigh nan leomhan.” Chuir e ’n cuilean leomhain a staigh air driom an taighe, ’s chuir e ’n t-slabhraidh mu ’mhuineal, ’s cha d’ fhag e leomhan fo dhriom an taighe gun mharbhadh, ’s leig e e fhein ’na shineadh marbh comhla riu. Chaidh Manus dachaidh, gun chuilean gun duine, an oidhche sin. Dé ’n obair gus an do chuireadh a dha chomhdhalta dheug ach a chartadh taigh nan leomhan. Nuair a chuireadh a mach iad cha robh leomhan fo dhriom an taighe nach robh ’sgornan air a ghearradh. Bha ’n cuilean leomhain agus gun bhionne falais air, ’s an t-slabhraidh iaruinn, a chuir Manus air, mu ’amhaich. Thuirt fear diu gu ’m bu neonach leis an leomhan a bha ’n siud; gun bhoinne falais air, seach cach. “Sin cuilean leomhain fir mo ghaoil,” arsa fear de ’n chuideachd, “cuilean leomhain Mhanuis!” “Mata,” arsa fear diu, “gad a tha mionnan oirnn gun falbh as a’ bhaile; ma ’n eireadh esan dh’ fhalbhamaid agus bheiremaid brath seachad.” “Cha ’n ’eil duine a theid a mach as a’ bhaile seo,” arsa cach, “an deigh do ’n oidhche tighinn, nach ’eil goirteas sheachd bliadhna air as a dheigh.” Chaidh iadsan thun na h-uinneig; ’s nuair a chaidh thun iad na h-uinneig dh’fhosgail an cuilean leomhain a shuilean, ’s thainig e beo. Dh’ fhalbh ise far an robh a fear ’s thuirt i ris, an garbh-theaghlach (f) a chur air doigh agus coig ceud fear ann. Thuirt esan gu ’m biodh goirteas seachd bliadhna air neach a rachadh a mach an deigh thuiteam na h-oidhche. Thuirt ise gad a bhiodh goirteas sheachd bliadna deug ann gu ’m falbhadh iad a dh’ iarraidh ceann Mhanuis. ’S e ’m Bodhar Bacach a theireadh iad ris an fhear a bha a’ dion na rioghachd anns an am sin, ’s cha chluinneadh e smid gus am biodh naoidh naonar ag eubhach ’na chluais. Mharbhadh e naoidh naonar air ais, ’s naoidh naonar air adhart, leis a’ chlaidhimh. Dé a dhuisg e ach stoirm a’ gharbh theaghlaich a’ tighinn, agus shaoil e gur h-e namhaid a bha ann. Dh’ eirich e air a’ gharbh-theaghlach, ’s cha d’ fhag e mac mathar de ’n choig ceud beo; e fhein agus an cuilean leomhain. Dh’ fhalbh an cuilean leomhain, ’s da chomhdhalta dheug Mhanuis, do ’n t-seana Bheirbhe. [TD 392] “Coma leat,” ars’ ise, “gad a rinn Manus siud ormsa tha ’n Gruagach dearg, mac righ na Greige ann, ’s bheir e ceann Mhanuis as an t-seana Bheirme.” Dh’ fhalbh a mhathair, an seo, ’s chuir i soitheach thun Mhanuis gus an t-seana Bheirm, g’a thoirt air falbh, ma ’n d’ thugadh an gruagach dearg an ceann deth. Dé a rinn a mhuime ach muir-tìothachd (g) a chur air a’ chuan air alt ’s nach faigheadh Manus falbh. Chuir a mathair mairnealaiche (h) anns an t-soitheach. Dé a rinn an soitheach ach stad anns a’ mhuir tìothachd. “Am bheil soitheach air an t-saoghal a bheir as an seo sinn?” arsa Manus ris a’ mhairnealaiche. “An leobhra tha; long bhreac Mhic Bhalcain (i) ghobha,” ars’ am mairnealach. Bha iad air bord ’s cha b’ urrainn iad gluasad. Am beul na h-oidhche sparr an cuilean leomhain a cheann fo achlais Mhanuis, ’s ghabh e mach bhar na luinge, ’s Manus air a mhuin. Dh’ fhalbh e ’s rainig e sgeir. Dh’ fhag e Manus air an sgeir ’s ghearr e fhein leum leis an taobh eile di. Thuit Manus ’na chadal; agus bu mhath leis am bàs fhaighinn le cach, seach fhagail leis fhein air sgeir. Thainig guth g’a ionnsuidh ’s thuirt e ris, “Eirich.” Dh’ eirich e ’s chunnaic e soitheach. Co a bha ’n seo ach long Mhic Bhalcain gobha, agus an cuilean leomhain ’na riochd air an stiuir, ’s Mac Mhic Bhalcain gobha, ’s a dha sheoladair deug, marbh air a h-urlar. Rainig e ’n soitheach, ’s chuir e ’dha chomhdhalta dheug, ’s nighean Iarla na Fiughaidh ann an long Mhic Bhalcain gobha. Bhuail e air seoladh air feadh na tìothachd. Dé a chunnaic e ach fearann; ’s nuair a chunnaic e ’m fearann chunnaic e ’n aona chaisteal a bu bhreagha a chunnaic e riamh. Ghabh e air tir ’s chuir e Mac Bhalcain gobha ’s a dha sheoladair dheug air tir air rugha. Rainig e ’n caisteal, ’s chaidh e staigh, ’s bha boireannach breagha staigh an sin ’s a dha dheug de nigheana maola, ruadha. Shuidh a dha chomhdhalta dheug lamh ris na nigheana maola, ruadha. Shuidh a dha chomhdhalta dheug lamh ris na nigheana maola, ruadha, ’s thuirt iad, nach fhalbhadh iad gu bràch gus am faigheadh iad ri ’m posadh iad. Cha b’ fhada gus an d’ thainig an gruagach bàn mac righ na Sorcha dachaidh ’s buinnseach (k) ruadh ’na mathair dha. “Co seo ag amharc,” ars’ esan, “air mo dha dheug de nigheana maola, ruadha an clar an aodainn? ’s nach fhaca mi duine riamh [TD 393] a bhiodh ag amharc orra nach d’ thugainn an ceann an aghaidh na braghad deth.” “Tha da chomhdhalta dheug agamsa ’s tha iad an deigh gaol a ghabhail air do nigheana maola, ruadha, ’s feumaidh tu ’n toirt daibh a ’m posadh,” arsa Manus. “Mata,” ars’ an Gruagach bàn, “an cumhnant air an deanainnsa sin, tha mi cinnteach nach deanadh tusa rium e; sin mise a chur a staigh air m’ athair, ’s mi muigh air o cheana seachd bliadhna.” “Ni mi sin,” arsa Manus, “ach thu fhein a dhol comhla rium.” An la ’r na mhaireach dh’ fhalbh iad. Rainig iad righ na Sorcha. Thainig righ na Sorcha mach, ’s thug e ’lamh dheas d’a mhac fhein, ’s a lamh thoisgeal do Mhanus. Dh’ fhalbh an cuilean leomhain ’s rug e air, ’s leag e e. “Caisg diom a’ bhiasd ma ’n d’ thoir e mo bheatha diom,” arsa righ na Sorcha. “Ni mi sin,” arsa Manus, “ach sgriobh le boinne de t’ fhuil gur h-e do mhac t’ oighre dligheach.” “Mata ’s fhada o’n a dheanainnsa sin na ’n d’ thigeadh e fhein g’a iarraidh.” Dh’ fhalbh e ’n seo agus sgriobh e e ’s dh’ fhalbh iadsan an seo gu tighinn dachaidh. Nuair a bha iad a tighinn an seo bha nighean Iarla na Fiughaidh ann an allt. “O,” ars’ an gruagach bàn, “tha mise marbh.” “Dé a th’ ort?” arsa Manus. “Tha clach,” ars’ esan, “anns an allt, ’s tha tri bric fo ’n chloich, ’s tha iad ann an apran na mnatha agad. Fad ’s a bhiodh na bric beo bhithinn-sa beo. Tha fear aca ’s an teine, an drasd aig do mhnaoi-sa.” “Am bheil dad air an t-saoghal,” arsa Manus, “a dheanadh feum dhuit?” “Tha,” ars’ esan, “beannach nimhe aig righ an domhain mhoir ’s na ’m faighinn fhuil bhithinn cho math ’s a bha mi riamh.” Rainig iad an taigh ’s bha ’n gruagach bàn marbh. Dh’ fhalbh Manus an seo, ’s bha ’n long bhreac an deigh a goid air, ’s cha robh fios, air an t-saoghal, co a thug uaidh i. Thuirt fear d’a chomhdhaltan gu ’n d’ thug Brodram, mac righ an domhain mhoir, leis i. Ghabh e air falbh gu Brodram. Dh’ fhoighneachd e dheth dé a thug dha an soitheach a thoirt uaidh. Thuirt esan gur h-e goid a rinn e fhein roimhe, ’s nach robh coir aig urra. Thuirt e gu ’n robh beannach nimhe aig ’athair, agus fhad ’s a [TD 394] bhiodh am beannach nimhe beo gu ’m biodh ’athair beo, ’s na ’m marbht am beannach nimhe gu ’m biodh an rioghachd aigesan. Dh’ fhalbh e le Brodram, ’s bha ’m beannach nimhe a staigh ann am pairc. Chaidh an cuilean leomhain a staigh do ’n phairc, ’s chuir e a spog ann an lag a bhraghad aig a bheannach nimhe. Thuit am beannach nimhe marbh ’s thuit an righ marbh a staigh. Bha Brodram an seo ’na righ air an domhain mhor, ’s fhuair Manus an fhuil, ’s thill e, ’s thug e beo leatha an gruagach bàn. “Cha ’n fhaod e ’bhith nach d’ theid thu fhein leam a nis a m’ chur a staigh air an rioghachd,” ars’ e ris a’ ghruagach bhàn. Thuir an gruagach bàn gu ’n rachadh. Rainig e Brodram ’s thuirt Brodram gu ’n rachadh e leis. Bha Balcan ’s a dha fhaolainn (l) deug ag obair ’s a’ cheardaich ’s dh’ ath bheothaich e a dha sheoladair deug. Dh’ iarr e air dol leis ’s thuirt Balcan gu ’n rachadh. Dh’ falbh Balcan, ’s an gruagach bàn, a’s Brodram, ’s gruagach an tuir, mac righ Siginn leis. Rainig iad Lochlainn. Choinnich fear an earraidh dheirg iad. Thoisich an gruagach bàn agus an gruagach dearg (m) Gu fiachach, fuachach, meanmnach. Chuireadh iad tri dithean diu Ann an cleidibh (n) athair agus iarmailt. Chruinnich mialchoin Fialchoin (o) (J. F. C.) A ghabhail aighir air na biastan. Bheireadh iad air an fhairge traoghadh; Air an talamh sgaineadh; Air na rionnagan tuiteam. Mharbhadh an gruagach dearg, ’s chuireadh a cheann air stob, ’s chrunadh Manus na righ air Lochlainn, ’s cha d’ fhag iad duine beo ann an Lochlainn. From Donald MacPhie, Iochdar, South Uist, who learnt it from Iain MacDhomhnuill Ic Thormaid Domhnullach, Aird a mhachair, who died sixty years ago at the age of sixty. H. M‘L. I heard the man tell part of the story myself. J. F. C. Notes for Gaelic. (a) Fonn, land generally on a larger scale than fearann. Probably fearann may be àrfhonn, arable land. the f slipping in as frequently happens in Gaelic words. [TD 395] (b) Trath oidhche, the time of night; differing in meaning from trath ’san oidhche, early in the night. (c) A Bheirbhe, sometimes the old man said Bheirm. This word is translated Copenhagen by some scholars, I don’t know why. The sound is nearer to Bergen, for b and g frequently replace each other in Gaelic; e.g., ubh, ugh, dubh, dugh, etc. (d) Earradh, a dress, costume. Aodach trusgan, eideadh earradh. Aodach is any clothes goor or bad; Trusgan is a good dress; Eideadh is a distinguishing dress or uniform; Earradh is a dress rather distinguishing an individual from others. Eideadh Gaidhealach, we could never say an t-earradh Gaidhealach. (e) Brot, same as brat. (f) Garbh-theaghlach, this seems to have been some large kind of vehicle. It is spelt as it was pronounced. It might have been garbh-shiubhlach or carr-shiubhlach. (g) Muir-tiothach, some curious thickening of the ocean so as to prevent the ship from moving. Muir-teachd may be the same word as this differently pronounced; and if so, it means jelly fish. (h) Mairnealaiche, a pilot. (i) Balcan. Is this the same as Vulcan? Bailc means a plunge, a flood. The smith constantly plunging his iron or steel in water might receive this name in consequence; falc is to bathe. (k) Buinnseach, a big, strong, clumsy woman. (l) Faolainn, same as foghlainte or foghlainteach, an apprentice. (m) An gruagach dearg, a different person from the other fear earraidh dheirg. (n) Cleid, a flake. Cleidean athair, sky flakes, clouds; probably the fine white clouds called cirri. May not this word be the root of cloud. H. M‘L. (o) Fialchoin, so pronounced; probably Fiadh-choin, deer-dogs, or wild-dogs, wolves, probably the last. J. F. C. [TD 396] LXXXV. THE SONG OF THE SMITHY. From Donald MacPhie, Breubhaig, Barra. [Beurla] [TD 397] DUAN NA CEARDACH. 1 Latha dhuinn air Luachair leothair, Do cheathrar chrodha de ’n bhuidhinn; Mi fhein, a’s Osgar, a’s Daorghlas; Bha Fionn fhein ann, ’s b’ e Mac Chumhail. 2 Chunnacas a’ tighinn o’n mhagh An t-olach mor ’s e air aona chois, ’Na mhanndal dubh, ciar-dhubh craicinn, Le cheanna-bheairt lachdann ’s i ruadh-mheirg. 3 Bu ghruamach coslas an olaich; Bu ghrannda sin agus bu duaichnidh; Le ’chlogada ceann-mhor, ceutach; Le ’mhaoil éitidh a dh’ fhas ruadh dhearg. 4 Labhair ris Fionn MacChumhail, Mar dhuine ’bhiodh a’ dol seachad, “Co ’m ball am bheil do thuinidh, ’Ille le d’ chulaidh chraicinn?” 5 “Lon* MacLiobhann, b’e m’ ainm ceart e, Na ’m biodh agaibhs’ orm beachd sgeula; Bha mi treis ri uallach gobhainn Aig righ Lochlann ann an Spaoili. (1) * LONN, a sword, a blade, a bar, a stake of wood, a bier pole, anger; a surge, a sea swell; strong, powerful. LONNRACH, bright, etc., a blaze, a gleam. LUNN, a smooth, rolling swell, an oar handle. Manks, Lhun, or Lhunn. [TD 398] [Beurla] [TD 399] 6 “Tha mise ’gur cur-se fo gheasaibh, O ’s luchd sibh ’tha ’m freasdal armaibh, Sibh gu m’ leontail, buidheann shocrach, Siar gu dorsan mo cheardach.” 7—FIONN. “Co ’m ball am bheil do cheardach? Na ’m feairde sinne g’a faicinn?” GOBHA. “Faiceadh sibhs’ i ma dh’ fhaodar; Ach ma dh’ fhoadas mise cha ’n fhaic sibh.” 8 Gu ’n d’ thug iad an sin ’nan siubhal Air Choige Mhumha ’nan luath dhearg; ’S air Ghleannan buidhe mu bheithe Gu ’n deach iad ’nan ceithir buidhnibh. 9 Bu bhuidheann diu sin an gobha; Bu bhuidheann eile dhiu Daorghlas; Bha Fionn ’nan deaghainn an uair sin A’s beagan de dh’ uaislean na Finne. (2) 10 Cha ghearradh an gobha ach aona cheum Air gach gleannan faoin roimh fhasach, ’S cha ruigeadh airm ach air eigin Cearbh dh’ an aodlach shuas air mhasan. 11 A’ direadh ri urlar a’ choire, A’ tearnadh ri bealach nam faobhar, “Fosadh beag ort” ars’ an gobha; “Na druid romham,” arsa Daorghlas. [TD 400] [Beurla] [TD 401] 12 “Cha bhiodh tu ’n dorus mo cheardach An àit teann ’s mi ’nam aonar.” . . . . . . . . . . . . 13 Fhuair iad an sin builg ri sheideadh; Fhuaradh air eigin a’ cheardach; Fhuaras ceathrar dhaoine righ Meirbhe, (3) De dhaoine doirbhe, mi-dhealbhach. 14* Bha seachd lamhan air gach gobha; Seachd teanchairean leothair, (4) aotrom, ’S na seachd uird a bha ’gan spreigeadh; ’S cha bu mhiosa ’fhreagradh Daorghlas. 15 Daorghlas, fear aire na ceardach, ’S sgeula dearbha gu ’n do throid iad, ’S e cho dearg ri gual an daraich, ’S a shnuadh a thoradh na h-oibre. 16 Labhair fear de na goibhnean Gu grìmach agus gu gruamach; “Co e ’m fear caol gun tioma A thairneadh a mach teinne (2) cruadhach?” 17 Labhair Fionn a bha ’na sheasamh, Fear a bu mhath freagairt ’san uair sin, “Cha bhi ’n t-ainm sin sgaoilte, Bha Daorghlas air gus an uair seo.” * This verse is not in MacCallum’s version. [TD 402] [Beurla] [TD 403] 18 Fhuair iad an sin ’nan sineadh Na h-airm a bha direach daite, ’S an coimhlionadh a bh’ air a dheanadh De dh’ armaibh deanta na faiche. 19 “Fead” agus “Fuidh,” agus “Fasdail,” ’S a’ “Chomhlann” ’Ic na Ceardaich, ’S an lann fhada ’bh’ aig Diarmaid ’S iomadh latha riamh a dhearbh i. 20 ’S agam fhein bha “Ceard (5) nan gallan” A b’ ard farum ’n am nan garbh chath; “’S Mac an Luin” a bh’ aig Mac Chumhail† Nach d’ fhag fuigheall riamh dh’ fheoil dhaoine. 21 Gu ’n do ghabh sinne mu shiubhal A ghabhail sgeula de righ Lochlann; Sin nuair labhair an righ uasal Le neart suairce mar bu chubhaidh. 22 Cha d’ thugamaid, air bhur n-eagal, Sgeula do sheisear dh’ ur buidhinn, Gu ’n do thog sinne na sleaghan; ’S gu ’m b’ ann ri aghaidh nam bratach. * The following verse is from MacCallum:— Bi n Druidh lannach lann Oscair, ’S b’ i Chruaidh Cosgaireach lann Chaoilte, ’S gu’ m b’ i n Liobhanach lann Dhiarmaid, ’S iomadh fear fiadhaich a mharbh i. † Irish, Man an Loin. [TD 404] [Beurla] [TD 405] 23 Bha iadsan ann ’nan seachd cathan, ’S cha do smaointich flath air teicheadh; Ach air lar na Faiche fine Cha robh sinne ann ach seisar. 24 Bu dithis diu sin mis’ agus Caoilte; Bu triuir diu Faolan feall; (6) Bu cheathrar dhiu Fionn air thoiseach; ’S bu choigear diu ’n t-Osgar calma. 25 Bu sheisar Goll MacMorna Nach d’ fhulaing tair ri m’ chuimhne; Sguiridh mi nis dh’ an aireamh O chaidh an Fhinn gu sodradh. 26 An mhath sinn latha na Teamhruidh Ann an ceardach Lonn ’Ic Liobhann; An diugh is anmhunn mo chàil An deis a bhith ’g aireamh na buidhne. From Donald MacPhie, smith, Breubhaig, Barra, who learnt it from his uncle Hector MacLaine.—H. M‘Lean. Breubhaig, Barra, October 1, 1860. (1) Spaoili, probably Upsala. (2) Teinne, a mass, or bar of metal. (3) Meirbhe, same as Beirbhe, Bergen? (4) Leothair, substantial, from leor. (5) Ceard, any kind of smith, or-cheard, a goldsmith; ceard airgid, a silversmith; ceard copair, a coppersmith; ceard stavin, a tinsmith, tinker; ceard spainean, a spoonsmith. Gipsies and travelling tinkers are pre-eminently ceardan or smiths, because they work in a great variety of metals. Ceard nan Gallan, the smith of the branches or youths, so called from being well adapted to cut down the young and strong. (6) Feall here is probably fial mispronounced. [TD 406-407] [Notes] [Beurla] [TD 408] [Beurla] DUAN NA CEARACH, ETC. From Malcolm MacPhail, Scanlistle, aged eighty years. Learnt it from Alexander MacQueen, Persabas, sixty years ago. MacQueen was past eighty years of age at that time. 2. Chunnacas a teachd ar coir, Fear mor agus aona chois; Le a mhantal dubh ciardhubh craicinn; Le ’ionnar lachduinn ’s le ruadh bheairt. 2—New verse. Aon suil mholach an clar aodainn ’Se sior dheanadh air MacChumhail, “Co thu fhein?” arsa MacChumhail; “Na cia as duit?” [TD 409] 3—GOBHA. New. “Thainig mis’ ’ur cur fo gheasaibh,— Seisear de mhaithibh na Feinne, A bhith ’gam ruith gun easraich Siar gu dorus mo cheardach.” 4—New. Thug e as mar ghaoth an earraich Mach ri beannaibh dubha ’n t-sleibhe. 10 Cha d’ thugadh e ach an aona cheum Thar gach aon ghleann fuarraidh, fasaidh; ’S cha ’n fhaiceadh tu ach air eigin Cearb d’ a eideadh thar a mhasan. FIONN RI CAOILTE. “Freagair agus sin do chasan, ’S gabh sgeula de ’n rugha.”* 11 A’ tearnadh aig Alltan a’ chuimir, Fosgladh gu ’n d’ thug an gobha, “Na druid romhan,” arsa Doorghlas. 7 CAOILTE. “A rugha cait am bheil do cheardach? Na ’m b’ fheairde sinne g’ a faicinn?” GOBHA. “Mo cheardach cha ’n ’eil ri fhaotainn, ’S ma dh’ fhaodas mise cha ’n fhaic sibh.” 14 Labhair gobha de na goibhnean, Le curam mor agus le gruaim; “A righ co ’m fear caol gun tioma,† A shineas an sineadh cruadhach?” * Rugha, a smith. Reciter. † Sineadh, a bar of metal. Reciter. [TD 410] 15—FIONN. A righ gu meal thu t’ ainm a Chaoilte! Cha bhi Daorghlas ort o’n uair seo.” New. A’ Chruaidh Chosgarrach lann Osgair, An Leadarnach mhor lann Chaoilte, Mac an Luin aig Fionn MacChumhail, Nach fag fuigheall de dh’ fheoil dhaoine. [Beurla] [TD 411-414] [Beurla] [TD 415] [Beurla] Tha sinne ’cur mar choran ’s mar gheasan ort, Gu ’n innis thu, co thu fhein na co do mhuinntir? ’S mise nighean righ na Sorchann, Sgiath an airm; ’S gur h-e ’s ainm dha ’m Baoidhre borb; ’S gu ’n d’ thoir e mise leis, Cia mor bhur treis as an Fhéinn. Cia b’ fhada ’n oidhche gu latha, Cha bu ghna leinn ’bhith gun cheol. [Beurla] [TD 416] [Beurla] Chunnucas a’ teachd ar coir fear mor air steud chiar-dhubh, rionna-gheal, a’ coiseachd air an fhairge, staigh as an aird an iar. Cuireamaid ar comhairle ri cheile, Feuch co ’ghabhas sgeula de ’n oigear. Labhair Goll le curam mor as le gruaim, Co ’theid fo m’ sgéith-sa chumail diom nam buillean cruadhach. Bhuail am fear a thainig beum sgéithe ’s dh’ iarr e comhrag coig ceud laoch. Leum an deo as a’ mhnaoi an an taobh eile dhiu leis an eagal. [Beurla] [TD 417] [Beurla] Thiodhlaicear aig braigh an eas, Fear mor bu mhor meas agus miadh; Chuir Fionn MacCumhail fainn oir, Air gach meur aig an onair an righ. [Beurla] [TD 418] [Beurla] [TD 419] [Beurla] Cluiche ri cluiche nan soc, Cluiche nan corcan ’s nam bian; A’ chulaidh chomhraig a bh’ aig an dis Cha ’n fhaca mi roimhe riamh. [Beurla] [TD 420] [Beurla] [TD 421-440] No. LXXXVI. NIGHEAN RIGH FO THUINN. THE DAUGHTER OF THE KING UNDER-WAVES. From Roderick MacLean (tailor) Ken Tangval, Barra, who heard it frequently recited by old men in South Uist, about fifteen years ago. One of them was Angus Macintyre, Bornish, who was about eighty years old at the time. Written by H. MacLean, 1860. I have selected this, because it shews one of the Ossianic heroes in a very mythological character. I omit the Gaelic for want of room, and translate closely but more freely. [Beurla]