[DA 1] [Dealbh] [TD 1] HINTS FOR THE USE OF HIGHLAND TENANTS AND COTTAGERS. BY A PROPRIETOR. “Much food is in the tillage of the poor, but thero is that is destroyed for want of judgment.”—Proverbs, xiii 23. INVERNESS: PRINTED BY ROBERT CARRUTHERS. 1838. [TD 2] INVERNESS: PRINTED BY R. CARRUTHERS, BANK BUILDINGS, FOOT OF BANK LANE [TD 3] BEACHD-CHOMHAIRLEAN AIRSON FEUM DO THUATHANAICH ’US CHOITEARAN GAIDH’LACH. LE UACHDARAN FEARUINN. “Bithidh moran loin ann an aiteach num bochd: ach tha ann a tha air a mhilleadh a dhith breithneachaidh.”—Gnath-fhocail, xiii. 23. INBHIRNEIS: CLO-BHUAILTE LE ROB CARRUTHERS. 1838. [TD 4] [Beurla] [TD 5] BEACHD-CHOMHAIRLEAN, &C. THA an Leabhair so, ged tha i freagarach do iomadh earrainn de dh’Albainn, gu sonraichte air a runachadh airson feum dhuibhse mo Thuath-Choitearan; a chionn, ged a tha agam an toileachas-inntinn a bhi gu tric a’ coinneachadh ribh gu pearsonta, gu’n robh an uin ro bheag airson co’labhairt ribh air na caochladh chuisean a bhuineas do ’ur maith-aimsireil; air an aobhar sin ghluaiseadh mi a nis gu labhairt ribh mar so, agus gu tairgse dhuibh mo chobhair airson fuasgladh oirbh o an uireasbhuidh pailteis ’us doigh a tha ’n ’ur measgsa uile ro shoilleir: Oir is tric bhuail e mi, ged bha moran Leabhraichean foghluimte air Tuathanas a cheana air an clodh-bhualadh, agus aon diubh le Dr Doile, airson an t-shluaigh chumanta ’an Eirean, a’ dluthachadh ris na tha ’an so air fhilleadh, cha’ n’eil ni sam bith ri fhaotainn gu ceart fhreagarach ri ’ur cuisean-sa air leth; agus gu’m bitheadh e feumail na’n robh air a bhuileachadh oirbh Leabhair bheag seolaidh ann ’ur deagh-riaghladh teaghlaich, ’s n-’ur oibre Tuathanais. So ma ta aig a chuid a ’s lugha oidhirpichidh mi le ’bhi cumadh na tha mi gu chuir an ceill duibh, cho dlu ’sa ’s urrainn domh ri n-’ur cothroman agus ’ur n-aite comhnuidh, agus ni an Clar-innsidh gu h-aithghearr ’ur treorachadh a chum nan earrainnean fa leth a ’s miann leibh a bheachdachadh. A bhi a’ toirt an iasad o chaochladh ughdairean ’us ughdarasan ni sam bhith a dh’fheudas a bhi cosmhuil ri bhi feumail, ni mi sin gun eagal cuir as mo leth a bhi ’ga chuir an ceill mar mo bheachd fein, a thaobh nach ’eil mi a’ gabhail orm ur-nithe a theagasg, ach gur e m’iarrtas a mhain a chuir ann ’ur lamhan, ann an gle bheag tomad, cruinneachadh de bheachd-chomhairlean, a tha freagarach ri ’n cuir an cleachdadh, cho maith a’s feumail; agus tha mi ’n dochas gu’m bi an clodh-bhualadh ann am Beurla ’san Gaelic cuideachd, buannachd- [TD 6] [Beurla] [TD 7] ail do dh’iomadh do’m bheil a Bheurla na litir mharbh, eadhon anns an naodhamh ceud deug bliadhna. Ach ged nach do thoisich mi le bhi leantuin chleachdadh choitchionn do thaobh roimh-radh agus roimh-mhineachadh, faodaidh e bhi iomchuidh roimh ainmeachadh na’n caochladh cinn fo’m bheil air a runachadh brigh an leabhair bheag so a thoirt fainear, n-’ur cuir an cuimhne gu’m bheil soirbheachadh ann an ni sam bith an crochadh ri ’ur saothair fein, agus ged bhitheadh na riaghailtean a’s iomlaine air an cuir a sios ’chum ’ur seolaidh, tha a bhuannachd a dh’eireas uatha gu h-iomlain an crochadh ris an doigh ’san cleachdar iad. Cha’n’eil gna-fhocal a ’s firinneach na, “far an soirbhich aon duine theid duine eile a dhi leis a ghort;” ach cha’n’eil sibh gu ’shaoilsinn gu’m bheil soirbheachadh an aon fhir, no mi shoirbheachadh a fhir eile an crochadh ri dall-thuiteamas. ’S urradh gach fear-ceird’ an oibir a dheanamh anns an robh e air fhoghlum, ach tha do rireadh eadar-dhealachadh mor ann an oibir deanta leis gach neach; oir tha sin an crochadh ri seoltachd gach neach fa leth. Mar so ann an caochladh slighean ’ur imeachd troimh na bheatha, theid gu cinnteach leis-sa na’s fearr, cha’n’e ’mhain aig am bheil gu nadurach na ’s mo de thalantan, ach a tha ’cuir na’n talantan sin an cleachdadh le aire agus sior-bhuanachadh; neach nach e ’mhain a chothromaicheas an gnothach gu maith roimh thoiseachadh, ach a chuireas roimh nach caomhain e saothar sam bith ann an cuir a bheachdan abaich ’an cleachdadh. Ma dhlu-bheachdaicheas sibh ’ur coimhearsnach a ta a’ soirbheachadh, gheibh sibh e anns gach am, cha’n’e ’mhain ciallach, ach gu bunailteach saothrachail ann an ruigheachd air cusbair feumail eigin. Gidheadh cha’n fheudar an ni a chleith, gu’m bheil maille ris a chuid a’s modha dhibhse monais, leisg, ’us ana-caitheamh dearmadach air uin, a’ buadhachadh gu tomhas neo-aithnichte anns na duth’ chan ud anns am bheil ni’s mo de chothrom ’us de phailteas air an sealbhachadh. Oir leis an uile leisgeul eisdeachd do thaobh airson an t-shaothair thrailleil fo’m bheil sibh a’ dol aig am cuir an t-shil, ’ur curam ’s ’ur dichioll ’s an fhoghar, agus an iomaguin leis am bheil sibh a’ leantuinn an iasgaich, ’n uair a thaisbeanas coslach soirbhichidh ’sam bith e-fein, aidichidh gach neach neo-lethbhreitheach gu’m bheil ’ur n-ana-caitheamh air uin phriseil na leithid sa bhiodh ann an duthaich sam bith elie tur sgriosach. A’ cumail ann ’ur beachd, uime sin, gur e diomhanas freumh [TD 8] [Beurla] [TD 9] gach uile uilc, bithibh cinnteach ma bheir sibh an aire air na h-uairean, nach bi na bliadhnachan air an dearmad; cha mho a ’s ann le dian spairn re uin ghoirid, ach le a bhi a’ cleachdadh gu socarach connbhaileach ’ur n-uine, a ’s urradh sibh duil a bhi agaibh ri soirbheachadh. Achum so a dhrudhadh oirbh ni’s deine; oir is cuis gle chuideamach e, faodaidh mi a dheanamh soilleir le da eisempleir air am bheil sibh fein eolach. Nach ’eil sibh gu cumanta ’co’dhuineadh gur e easbhuidh mathachaidh is aobhar do ’ur barr a bhi eutrom, agus nach bitheadh tomhas ni bu mho dheth fior fheumail? Gum teagamh freagairidh sibh gu’m bitheadh, agus is urrainn dhomh a reisd dhearbhadh gu’m bheil lan phailteas dheth a ghna ann ’ur comas: Oir ged nach bitheadh ach aon lan sgulain de thomhas troidhe gach taobh ’s air dhoimhne de dh’fheamainn air a thionail gach trathadh mara, no sia sgulanan gach seachduin, agus air a chuir ris an tomhas cheudna de thalamh, no de ghainmheach, no de chriadhach, a reir gne ’ur fearuinn agus air a mheasgadh maille ri sguabaidhean ’ur tighean, agus ri spruileach ’ur n-aite-cocaireachd, nach bi ann an tigh air a dheagh-sguabadh, ni’s lugha na da lan cliabh ’s gach seachduin, seasaidh e mar so: 313 throidhean de dh’ fheamainn; 313 throidhean de thalamh, ghainmheach, no chriadhach, agus 104 throidhean de sguabaidhean tighe agus de luath; agus thig sin gu 26 shlatan ’us leth-shlat air fad ’s air leud ’s air thiuighead. A nis ged thraoghadh an co’mheasgadh so gu leth a thomaid, bheir e dhuibh beagan ni’s mo na 13 no 14 shlatan de na mhathachadh mheasgte a ’s fearr, gu leor gu mathachadh leth acair Albanach fearuinn airson buntata, agus a chum a chosnadh cha chosd e da uair ’san t-seachduin de’n uin a tha ’nis air a h-ana-caitheamh. An uiread so a thionail ann an uin ath-ghearr bhitheadh e na oibir ro sgiosail, ged le cuid ’us cuid a dh’fheudas e bhi air an dheanamh gun ana-cothrom sam bith; agus gidheadh, ged tha i a reir coslais na h-oibir cho simplidh, tha moran an crochadh ris an doigh anns an toirear air a h-adhairt i. Ann an deagh-bhuileachadh ’ur n-uine,—ann an cleachdadh ’ur clainne mar so gu feumail,—anns an diubhar eadar suidheachadh ’ur n-otraich ann an ait ard, no far am faod e fhaighinn an sileadh agus an fual bho n-’ur crodh. Feumaidh gach ni dhiubh so a bhi air a thionndadh gu buil. A risd, cia minig a tha sibh a’ gearan gu’m bheil ’ur fearuinn neo-tharbhach leis na cairn chlach a bha re linnean [TD 10] [Beurla] [TD 11] air an tionail? Gidheadh cunntaibh na clachan a ta air cairteal acair a b’ urrar gu furasd’ a ghiulan air falbh, agus bithidh e gu luath dearbhte ciod a dh’ fhaodadh a bhi air a dheanamh le n-’ur sinnsearan re an leth cheud bliadhna ’chaidh seachad, na’n robh iad air deanamh saothar gle chuimseach ach mhairsinneach. Toisichibh fein, a gusgheibh sibh gu luath a mach le giulan air falbh aon chlach gach la, no sia gach seachduin, nach e mhain gu’n cuir feabhas ’ur raointean, mus teid bliadhna seachad, iongantas air ’ur coimhearsnaich neo-churamach, ach gu’n teid e thairis air ’ur dochasan a’s blaithe; agus cha chus a radh; gu’m faodadh ni ’s mo mar so a bhi air a dheanamh ann an aon bhliadhna na bha air a dheanamh anns an fhichead a roimh sin, leo-san is coslach a chaith da no tri uairean de na ceithir uairean thar fhichead ann an caineadh neo-tharbhachd na fearuinn a bha na’n seilbh, an fheadh a bha beachd mu chleachdadh an leighis iomchuidh air a dhi-chuimhneachadh. Cha chuir mi gidheadh tuille eis oirbh le fuireach ni ’s fhaide air a phuinc so, ach toisichidh mi le cuir an ordugh mo beachd-chomhairlean fo na caochladh chinn so, eadhon— I. LON. II. TINNEAS AGUS IOCSHLAINTEAN III. AODACH. IV. TIGHEAN, AIRNEIS, &c. V. BATAICHEAN, INNEALAN IASGAICH, &c. VI. ACFHUINNEAN TUATHANAIS, &c. VII. CRODH, EICH, MUCAN, ’S AN EUSLAINTEAN. VIII. LIS, SIL, MEASAN ’US LUIBHEAN. IX. FOGHLUM, MODHALACHDAN, &c. [TD 12] [Beurla] [TD 13] I. LON. Tha mi a’ gairm ’ur n-aire a chum an ni so, anns a cheud ait, airson gur e ceud ni feumail na beatha e, agus airson gu’m faod sinn gu h-iomchuidh, gun bhi buailteach do chuir dad sam bith as ar leth de gheocaireachd, sinn fein a chleachdadh ann an cosnadh a bheathachaidh sin air am bheil n-ar slaint, ’s eadh, n-ar dearbh bheath, an crochadh. Faodaidh ’bhi gur e an doigh a ’s fearr gu mineachadh mu lon, sealltuin ris na cearnaidhean ud, anns am bheil ri fhaotainn an luchd-cosnaidh a ’s treise agus a ’s saothraicheile; agus air a phuinc so, cha ’n urrar dearbhadh ni ’s fearr a thoirt na meud agus cumhachd ar caochladh Reisimeidean Feachd-duthcha, a chionn gum bheil na Reisimeidean so uile air an cuir suas le crann-thilgeadh, anns na caochladh chearnaidhean no shiorramachdan air leth, gun choi’mheasgadh le gach a cheile, agus is ni aithnichte an fheadh a ta Feachd-duthcha Mhiddle-secs air a deanamh suas de dhaoine meanbh, tha iadsan bho Shiorramachdan Obareun agus Lanca a’ cuibhrigeadh ni ’s mo de thalamh, agus uime-sin tha iad ni’s farsuinn ’sa chliabh, agus ni’s treise na Reisimeid sam bith eile ’san t-seirbhis. Ma rannsaicheas sinn, a reisd, lon na’n Siorramachdan deireannach so, agus gu’m faigh sinn a mach gu’m bheil a chuid a ’s mo dheth de mhin choirc, bainne, ’us de bhuntata, tha mi’ga mheas mar fhirinn do-aicheadh, gur iad min choirc, bainne, agus buntata ann an tomhasan-freagarach na nithe a s’ beathachaile ’sa ’s slainteile de lon dhaoine. Gun amharus tha’n duine, ann a staid shiobhalta* na bhith a tha de ghnathan mhi-nadurach, agus gu tric fo chaithe-beatha mhi-nadurach a’ ruigheachd air araon slaint agus beath fhada. Ach an uair a sheallas sinn ri aimrideachd, meud agus aogais ar n-ard-uaislean a tha air am beathachadh ’sa chumantas air feoil air a h-ard spisreadh, tha e gu soilleir a’ feuchainn nach h-urrainn doibh, leis na h-uile cothrom a tha beartas a’ cuir ’n an comas, teachd a suas ann an neart cuirp riu-san a ta cleachdte ri lon ni’s simplidh. Gu dearbh, ’sa ta neart cuirp ar sinnsearan, do ’n robh an lon ach gann ’an coimeas ris na tha a nis air a mhealtuinn, a’ feuchainn nach ’eil sinn cho mor an eisimeil na stamaic ’sa tha iomadh a’ creidsinn; gidheadh cha ’n ’eil mi idir toilichte leis * Rianail, riaghailteach. [TD 14] [Beurla] [TD 15] an lon ris am bheil sibhse air n-’ur cumail agus tha e tur iomchuidh gu’n deanadh sibh n-’ur dichioll, gun sibh-fein a dheanamh n’ur traillean do ’ur n-ana-mhiannan, gu ruigsinn air lon, cha’n’e mhain beathachail ach fos taitneach do na bhlas; oir tha iomadh dhe ’ur n-easlaintean ag eiridh bho laigse na stamaic, agus tha so gu cumanta air aobh’rachadh le easbhuidh caochladh lon beothachaidh gu leoir. Na’n robh mise air an aobhar sin gu comharrachadh ’mach n-’ur lon, mholainn dhuibh lit le bainne, no treacle, no leann airson ’ur biadh-maidne, aran coirc us buntata airson diatmhoir, agus buntata no brochan le uinneanan, garlic no creamh, no peabar airson ’ur suipeir, agus an leithide sin cha’n fhaod san la so a bhi air am meas ailgheasach: Gidheadh ann an ainmeachadh earrainnean araidh ’ur loin feumar a chuimhneachadh gu’m bheil iomadh leasachaidhean ’us ath-arrachaidhean beaga a tha ’n ’ur comas a dheanamh a tha cha’n’e ’mhain taitneach ach slainteil. Tha iasg, a bha anns na h-uile linn air a mheas na ailgheas, gu cumanta ’n ’ur comas ruigsinn air, agus is luachmhor an leasachadh e. Faodaidh uibhean, eoin, im, cais, mil, muicfheoil, muiltfheoil, agus mairtfheoil a bhi le toigh an drasd ’sa risd ’an comas gach neach aig am bheil eadhon mir gle bheag a dh’fhearuinn ri aitheachadh. Cha mho bu choir toradh lis a bhi air a dhi-chuimhneachadh: Oir ged dh’fhaodadh nach b’ urradh gu leoir de mhin choirc ’us de bhuntata ’bhi ann gu teaghlach uile ’chumail ’n aird, tha mi cinnteach, le deagh riaghladh air na urrar fhaighinn dhiubh sin, gu’m bu choir do thoradh an lis easbhuidh sam bith a dheanamh ’n aird. Cia iomadh trath bidhe ghasda, (airson eisimpleir) a dh’fhaodar fhaighinn bho chal geal air a bhruich ’s air a phronnadh min, ’sair a chrathadh thairis le salainn ’us peabar, maille ri lan an duirn de mhin, no sliseag mhuicfheoil. Thoiribh fainear a chosd;—Min, bonn-a-sia, peabair fairdin; salainn fairdin; cairteal a phuind de mhuicfheoil ma shaillear aig an dachaidh i, tri fairdin, cal bho n-’ur lis fein, burn bho n’ur tobar fein, agus moine bho n-’ur mointeach fein a mhain airson a gearradh. An so ma ta tha deagh shuipeir airson teaghlach uile, ’s na chosdas i a dh’ airgiod cha ’n urra’ e ’bhi os ceann tri boinn-a-sia, aig a chuid a ’s mo, ni a dh’fhaodas aon de n-’ur clainn, ag oibir airson tri sgillinn ’san la, re thri laithean ’san t-seachduin, a chosnadh gun ghairm airson cobhair na’m paraintean. Gu dearbh tha uinneanan ’us garlic gle luachmhor, agus tha [TD 16] [Beurla] [TD 17] sluagh Uales agus na Spainn, a tha a’ caitheamh pailteas dhiubh, comharraichte airson an coslas laidir agus slainteil. A thaobh dibhe cha’n urra’ amharus a bhi nach e burn, fion ’ar ceud sinnsir, a’s fallaine de na h-uile. Faodaidh leann neach a dheanamh reamhar, agus ann an cor sgios no mhor laigse faodaidh uisge-beatha saorsa ghoirid a thoirt, ach fhad ’sa tha millionan de na chinneadh dhaoine air tuiteam na’n iobairt do mhisg, agus do ghalaran a bha air an aobharachadh le cus oil de dheochan laidir, tha burn no uisg a’ seilbheachadh glainead a tha cha ’n ’e a mhain a’ bacadh, ach gu minig a leigheas iomadh de ghalairean a thoisich a cheana, agus tha e air a lan-dhearbhadh gu’n aisig glainne bhuirn’ blath neach lag sgith gu neart ’us beothalachd ni’s fearr na deochan laidir beothachaidh. Gun teagamh faodaidh deochan teinteach a bhi air an ainmeachadh puision; agus ged tha am Freasdal, ann a chaoimhneas, cuid a dh’ uairean a’ deanamh fonn-cuirp a mhisgeadair comasach air seasamh ’an aghaidh ionnsuidhean air e-fein a mhurtadh, agus eadhon gu sineadh a bheath gu sean aois, gidheadh gu cinnteach cha ’n iad aois ’sa shlaint toradh a mhi-stuamachd: cha mho bu choir dhuinn earbsa cho mor a chuir ann am buaidh neartachaidh dheochan laidir na bracha ’sa tha n-ar coimhearsnaich Shasuinneach a’ cuir annta; oir a dh’ aindheoin an cleachdaidhean gniomhach agus an ard mhisneach ann am buadhachadh air amlaidhean cha ’n ’eil mi ’n amharus nach e an Swiss no an Gaidheal a ’s freagairiche gu buan-sgios fhulang na an Lunnainneach a’s fearr a th’ air a bheathachadh. Thug ar Gaidheil chruadalach air bhochd arach dearbhachd neo-dhona air so anns a chogadh Pheninsularach, agus tha mi a’ smuaineachadh gu’m b’ann re teicheadh Chounna ’s an Spainn a bha cuid de na Reisimeidean Gaidhealach, ann an dol a Seachad air ceudan de shaighdearan Sasuinneach a bha a’ basachadh air an rathad le fannachd, a’ gearan gu truasail gu’m biodh easbhuidh maraigean na aobhar do ’n crioch thruagh. Mar eisempleir a ’s taitniche faodaidh mi a luaidh gu’n do leig an Sasuinneach, a ghabh os laimh Drochaid Chonain a thogail, ris dhomh mu’n iongantas a bh’air ri dichioll mhuinntir an aite a dh’ oibrich dha, agus air dha ghabhail os laimh Canal a chladhach ’an Sasuinn gu’n do thuarasdlaich e [TD 18] [Beurla] [TD 19] mu fhichead dhiubh gu dhol maille ris do’n taobh deas. Dh’eirich caochladh dheasboireachdan eadar iad ’us muinntir an aite, agus bha iomadh beum air a thoirt dhoibh a thaobh an lon (aran ’us bainne) air an robh iad toilichte ’bhi beo, a’ caomhnadh a chuid bu mho de na choisinn iad gu thoirt dhachaidh gu’n cairdean ’san teaghlaichean. Gu stad a chuir air an aimhreit so, chaidh a shuidheachadh geall suim mhoir airgid a chuir nach b’ urrainn do dha-fhear-dheug de na Gaidheil aireamh air leith de shlatan a chladhach ’san aon uin ’san cladhaicheadh an aireamh cheudna de na Sasuinneach, b’ fhear a bh’air am biadhadh an aireamh cheudna de shlatan. Air do gach ni ’bhi suidhichte bha bord air a chuibhrigeadh le feoil ’us leann airson an dara phairtidh, ach aig a phairtidh eile cha robh ullachadh sam bith airson urachaidh ach soitheach de bhuirn fuar: Gidheadh an deigh la throm oibir bha a bhuaidh aig na Gaidheil, agus an fheadh a bha na Sasuinnich tur fann le trom oibir, bha na Gaidheil gu smiorail a’ dannsadh ri an ceol dhuthchasach mar chomh arradh air am buaidh. Tha mi ’toirt na’n eisempleirean so gu dhearbhadh nach ’eil an neart a tha feumail airson oibir an crochadh air biadh soghail, ach gidheadh tha pailteas de lon simplidh beathachail gu gle fheumail a chum n-ar cumail suas, agus gu so a dheanamh cinnteach, tha moran ann ’ur comas fein. Cha’n urrainn duine air bith ’na dheagh shlaint maille ribhse a bhi dh’easbhuidh na’n nithe feumail airson lon fallain, ma ni e uiread ri dichioll chuibheasach gu’n cosnadh,—agus ’nuair a tha mi a’ cluinntinn na’n gearainean a th’air an deanamh gach earrach leibh-se uile air easbhuidh leoir loin gu cumail taic ri n’-ur neart ann an oibrichean cumanta, agus a’ faicinn an neo-churam leis am bheil sibh ag ullachadh air chinn ath-thachairt an leithid a dh’uilc, tha mi ’gaideachadh gu’m bheil mo thruas airson ’ur cor cuid a dh’ uairean air lagachadh: Oir ’s urrainn fear sam bith a chleachdas e-fein gu dichiollach ann ’ur suidheachad-sa le pailteas de dh’fhearuinn bhan aig iarrtas agus air mhal gle bheag an deigh 3 no 4 bhliadhnachan de shaothar, a bhi aige iomadh co’fhurt a tha an tras neo-aithnichte dhuibh. Cha ’n ’eil mi a’ labhairt gu baraileach. Tha e gach la air a dhearbhadh ann an uile earrainnean deas Albainn, ann an duthaich Obareun, agus air machraichean Bhainf, Mhoraidh, Inbherneis, agus eadhon ann ’ur duthaich fein, Ross, far am bheil a Mhaoile-bhuidhe, a bha roimh lom, a nis a’ toirt a mach comhfhurtan do a luchd-aitich dhichiollach. Tha mi ’cuimhneachadh air dhomh a dhol a steach do thigh comhnuidh fear-oibre ’nam oibir fein air earrainn air leth de’n Oighreachd so, [TD 20] [Beurla] [TD 21] ’n uair a bha min gu gann ri fhaighinn, agus b’e cheud ni a thaisbean dhomh, a chlann a’ ruith mu’n cuairt le lan an duirn de mhin a thug iad as a phoc a fhuair e an la roimh sin ann am paidheadh airson an oibir a bha e gu dheanamh. An so, ma ta, bha uireasbhuidh an cois ana-barr ana-caitheimh; oir bha a chlann a’ caitheamh lon a bha mar sud neo-fhallan, ni le gle bheag deasachaidh a dh’fhaodadh a bhi air a dheanamh beathachail ’san tomhas a b’airde; oir dheanadh leth an tomhais mhin’ amh a chaith iad-san gun bhi sasaichte, le dheasachadh gu toigheach biadh-maidne cho’ fhurtach do’n teaghlach uile. Gun dhol a steach do mhion labhairt air cocaireachd, ni theagamh nach biodh cho chumanta air a thuigsinn, faodaidh mi ’luaidh gu’m bheil mhin choirc, air a gnathachadh mar bhrochan no lit ni’s beathachail’ agus ni’s caontaich’ na ’n uair a tha i air a fuineadh na bannaich; agus gu’n toir saluinn uinneanan, seibheas, no pairslie, agus beagan peabar dubh le ’ur buntata no cal air a phronnadh, cha’n’e ’mhain blas gle thaitneach, ach gu’m bac e gaoth cuime agus na h-easlaintean ud a tha ’geiridh bho chus cleachdaidh loin luibheach, am feadh bu choir ’ur n-’im ’sa chuid a ’s reamhra de n-’ur muic-fheoil a bhi air an gleidheadh airson an cuir thairis air buntata proinnte air a chaoineachadh fa chomhair an teine, agus na seorsan uisgidh de iasg a dh’ ithear ur a rostadh ann an aghann, oir ma bhruichear iad cha bhi iad cho beathachail. Tha feoil air a h-ith fear ni’s neo-chaontaich na ’nuair a dh’ithear teth i, agus ma nithear brot no eanaraich dh’i theid i da chuairt cho fada agus dearbhas i a bhi ni’s beathaicheil na le bhi air a rostadh, &c. Tha na h-uile bhrotan, stobhan, ’us feoil phroinnt; air am measgadh le luibhean ’sair an deanamh blasda cubhraidh le pairslie, seibheas no uinneanan, salainn ’us peabar, ni’s fearr, ni’s saora, agus ni’s solasaiche airson fear-oibrich no iasgair na tha feoil air dhoigh eile. Ma bhitheas ’ur n-’iasg truisg saillte, ’s fhearr dhuibh a dheanamh n aird air a phronnadh ’sair a mheasgadh le buntata, uinneanan, no seibheas, ’us peabar, na ith air a bhruich’ leis-fein: no ma ’s urrar beagan blonaig no ime a sheachaineadh, agus a mheasgadh ’n aird leis, agus a chumail fa chomhair an teine gus am bi e donn air an taobh muigh, gheibh sibh e gu mor ni’s fearr. ’Nuair a dh’ithear iasg geal air bith ur, bu choir e bhi air a ghlanadh ’sair a chutadh gu maith, air a ghearradh na mhirean ’sair a chuir sa phoit, air a chuibhrigeadh thairis le burn agus beagan buntata sgribte no ruisgte, tearc de dhuilleagan pairs- [TD 22] [Beurla] [TD 23] lie, seibheas no uinneanan air am pronnadh min, agus peabar ’us salainn; agus fhad ’sa bhios e ’goil, an sgum a thoirt gu toigheach dheth gus am bi e tur glan. Isgasd’ am biadh e so, agus air ith comhla’ ri aran coirc ni e deagh shuipeir: ach bhiodh a leth air chall na’n robh an t-iasg air a bhruich’ leis-fein. ’Se jam de dhearcan dubh lis an aon sogh a mholainn dhuibh, agus tha mi ’ga luaidh a chionn gu’m faod sibh le meas bho n-’ur lios fein 4 puind dheth a dheanamh le 3 puind shiucair donn aig 6 sgillin am pund, agus a chionn gu’m bheil e, cha ’n ’e ’mhain feumail airson amhaichean goirt agus teasaichean, ach gu’m faod e bhi na chuirm do na chlann, agus am misneachadh gu cosnadh uiread ’sa cheannaicheas an siucar. Mar so ionnsuichidh iad gu moch gu’m bheil saothar a ghna a’ toirt ’na coisa duais fein. Ciod-sam-bith doigh an deasaichear ’ur biadh, biodh an aire a ’s mo air a thoirt do ghlainead, oir d’a easbhuidh bithidh am biadh a ’s fearr air a dheanamh mi-fhallan. Bu choir a bhean-tigh’ a ’s neo-sgilear a bhi air a deanamh fiosrach air an tur fheum a tha airson pailteas buirn ur’ a chleachdadh ann an glanadh na’n soithichean agus na’n innealan cocaireachd; oir air a phuinc so cha ’n urrainn i ’bhi ro ghrinn,—agus bu tric a thainig e ’n am inntinn gu’m bheil snuadhan aogaidh iomadh o’ sruthadh cho mor bho easbhuidh toigh, sgil, ’us glaine ann an deasachadh a bhidhe ’sa tha bho thur uireasbhuidh na’n nithe feumail beatha fein. Cha ’n ’eil ach aon bheachd eile ag eirigh dhomh air a phuinc so: tha mi ’ciallachadh ullachadh leis am faod nithe feumail na beatha ’bhi air am faighinn ann an sean aois, ’n uair a bhagras uireasbhuidh ro thric an cosnach ann a h-uile uamhasan. Gu ullachadh air chinn cor cho truagh rinn an Comuinn Gaidh’lach follaiseach cloir-innsidh fhior cheart a tha ’a dearbhadh, le duine do phaidheadh suim 8 puind Shasuinneach, 10 tastain, ’us 9 sgillinn, aig aois 28 bliadhna, gu’m bi aige coir air 10 puind ’sa bhliadhna ma bhios e beo gu aois 68. Le e do phaidheadh 16 phuind ’us 6 tastain aig aois 28 gu’m bi e cinnteach a 5 puind ’sa bhliadhna airson a bhantraich ge b’e am an tachair a bhas-sa. Agus le paidheadh 5 puind ’n uair a ruigeas gach leanabh aige aois bliadhna, gu’m bi coir aig a leanabh air 3 tastain ’san t-seachduin ’n aird gus an ruig e 15 bliadhna na’n tach’radh bas athair roimh an am sin. An so, ma ta, tha meadhonan ann an comas gach duine og air bacadh ainnis. Theagamh gur e suim bliadhnail na bantraich bu choir an toiseach a dheanadh cinnteach an ath chuid airson na [TD 24] [Beurla] [TD 25] clainne, agus mu dheireadh airson an duine, oir mur faigheadh e am feasd e, bu choir do a theaghlaich, air an togail gu maith a bhi na dhion a b’fhearr ’us bu chinntiche dh’a. Bha na riaghailtean airson riaghailt’chadh Comuinnean de’n t-seors air an tarruing a mach leis a Chomuinn Ghaidh’lach, agus bu choir doibh a bhi ann an laimh gach neach, agus chuir mise iad aig deireadh an leabhair so airson ’ur seolaidh. Do dh’iomadh faodaidh e taisbeanadh do-dheanta an leithid ’shuimean a chaomhnadh, leis cho beag ’sa tha prisean ’us cho iosail ’sa tha tuarasdalan; ach tha fhios aig iomadh gu’n robh eigin a cheart cho mor re nan ard phrisean bho na bhliadhna 1812 gu 1818 ’sa tha i an tras’, agus nach do dhearbh pailteas a bhi na bhrosnachadh sam bith gu caomhnadh, ni a tha feuchainn gu’m bheil ni’s mo an crochadh air ’ur dichiollan fein na tha air ard phrisean ’us mor thuarasd’lan. Tha iomadh aig am bheil na meadhonan ’sa chail gu caomhnadh, aig nach eil an cleachdadh, agus sin a mhain a chionn nach d’fheuch iad a riamh ris, agus cha’n’eil mi ’giarraidh ach sibhse do thoiseachadh a dh’fheuchainn cia iomadh 6 sgillinn ’us tastan a ’s urrainn sibh a chaomhnadh ann an aon bhliadhna, agus creidibh mi, theid an duilcheadas ann an tomhas mor as an t-shealladh. Cuimhnichibh gu’n tig da thastan air a chaomhnadh gach seachduin le riadh ann am Banc caomhnaidh ann am 20 bliadhna gu 157 puind, agus gun riadh gu 104 puind ’us 12 tastain. Thig 2 thastan ’san t-seachduin re chuig bliadhna a mhain gu 28 puind, 3 tastan, ’us 3 sgillinn. Thig 1 tastan ’san t-seachduin re 7 bliadhna gu 20 puind, 10 tastain ’us 8 sgillinn. Na earbaibh an leithide de chaomhnaidhean a bhuannaicheadh gu h-onorach aon chuid ann an lamhan dhaoine uaigneach no ann ’ur gleidheadh fein: Aig a cheud seors, faodaidh e ’bhi air a chall le an tubaistean na an ana-caitheamh: Ann ’ur gleidheadh fein faodaidh e ’bhi air a ghoid, no faodaidh sibh a bhi air n-’ur buaireadh gu cuid dheth a chuir an sas ’an duil fhaon a chuir ’na aite fein a rithist Bitheadh e air a chuir gu tearuinte ann am Banc caomhnaidh, agus na bithibh air n-’ur buaireadh le tairgsean ard-riadh gu ruith cunnairtean a dh’fhaodas n-’ur toirt gu ainnis. C’ait’ am bheil an duine, dh’fheorraichinn, nach h-urrainn, le ’bhi ’cosnadh eadar 18 ’us 25 bliadhna, 6 sgillinn gach seachduin a chaomhnadh, ’us 10 puind ’sa bhliadhna ’dheanamh cinnteach mus ruig e aios 70? no co a dh’fheuch ris ann an diomhanas? A’ labhairt bho m’fhiosrachadh fein ’s urrainn dhomh a radh cia-air-bith cho aindheonach ’sa bha mo sheirbheisich fein ’sa chumantas gu toiseachadh ri caomhnadh cuid dhe an tuaras- [TD 26] [Beurla] [TD 27] dal, agus cia laidir air bith am barail an tos nach b’urrainn iad dad sam bith a chaomhnadh, gidheadh cha do choinnich mi ri aon neach air an do spar mi toiseachadh ri caomhnadh nach deach an neach sin air adhairt gach bliadhna a’ cuir ris an stoc agus a’ deanamh tuilleadh dichiollan caomhnaidh. Chuir gach aon de mo sheirbhisich-tighe, a dh’fhan re tearc de bhliadhnaichean ann mo sheirbhis, ri ’cheile suimean nach bu bheag, agus tha iad a nis ’gam faireachdan fein saor, ged nach do chaomhan iad tastan ann an seirbhis sam bith eile a roimh, agus so cha b’ ann bho ard thuarasdalan, ach de bhrigh gu’n d’ thug mi orra feuchain ris, cia-sam-bith cho beag ’sa dh’fhaodadh an tasgaidh a bhi air tus, agus a chionn, mar a gheibh sibhse gu cinnteach le cleachdadh, gu’n teid an duilcheadas caomhnaidh as an t-shealladh cho luath ’sa thoisicheas sibh gu ceart leis sin ris an abairear gu cumanta ’ur n-’ubh neid. San ath ait thoiream dhuibh beagan bheachd-chomhairlean mu thimchioll ’ur slainte agus na h-easlaintean a’s cum anta do ’r duthaich. II. TINNEAS ’US IOCSHLAINTEAN. Na h-euslaintean do’m bheil sibh ni’s mo bhuailtiche, ’s iad tinneas stamaic, teasachean, ’ghriuthrach, an teasach sgarlaid, a bhreac, casadan, ainteas sgamhain, losgaidhean, sguchaidhean, leointean, gortas-luirgein, agus cuid a dh’uairean cnamhan briste. Ach gidheadh tha tinneasan eile ri ’n coinneachadh anns cho liugha de shluagh, agus ged nach ’eil e comasach ann an leabhar coslach ri so aire a thoirt do na h-uile euslaint, agus eadhon duilich a chuir sios riaghailtean dearbhte gu bhi air an leantuinn anns na h-uile cor dhiubh sud a dh’ainmich mi, gidheadh freagraidh na seolaidhean a tha air an toirt airson gach cor le beagan ath’rachaidh. Tinneas Stamaic. Tha tinneas stamaic air aithneachadh le bhi neo-shlan, le call cail, gaoth cuime, losgadh-braghaid, agus cuid a dh’uairean le faireachduinn pian ’san stamac. Ann an cuid de chorain tha leanntaidhean uisgidh air a thilgeadh ’n aird ’sa mhaduinn a bheir beagan saorsainn do’n neach euslan. [TD 28] [Beurla] [TD 29] Tha ’n euslaint so gu h-araidh air aobh’rachadh le bhi beo ro mhor air buntata no luibhean eile gun fheoil, no le ol cus de dh’uisgebeatha, no leis an stamac a bhi air a luchdachadh le biadh sam bith. Anns a chaibideil air Lon thug mi cuid de sheolaidhean air deasachadh ’ur buntata, &c. a bhios, ma leanar iad, ni’s feumail ann am bacadh an euslaint so na na h-uile iocshlaint tha’n Albuinn. Gidheadh, ’n uair nach leanar mo chomhairl-sa, ’us neach a bhi air a bhualadh le tinneas stamaic, ’se cheud cheum am biadh ath’rachadh gu aon n i’s beathachaile m a’s comasach le feoil aon uair ’san la. Ma tha sibh ro ainniseach gu ruigsinn air sin, feumaidh sibh stuthan beothaichidh, leithid as peabar, uinneanan &c. a mheasgadh maille ri’r buntata. Tha deochan searbh, leithid as tea chamomile, no sugh an luis thri-bhileach gle fheumail. Deanaibh an sugh gu maith laidir, agus cuiribh maille ri botul dheth aon ghloin uisge-bheath a chumas e bho oibreachadh. Faodaidh lan gloine dheth so ’bhi air a ghabhail gach maduinn, ’us ’nuair ’bhios mor losgadh-braghaid no gaoth cuime, bheir lan spain-tea de charbonate soda air a ghabhail aon uair no da uair ’san la ann am beagan buirn, saorsainn. Cha chluinn mi ach mu thearc de thinneasan stamaic ma leanas sibh mo chomhairl a thaobh n-’ur loin. Marbhaibh agus saillibh aig a chuid a ’s lugha aon mhuc ’sa bhliadhna anns gach teaghlach, air sga n-’ur slaint mur ann airson ’ur co’fhuirt. Teasach. Tha so gu cumanta ’toiseachadh ’san fheasgar le piantan ’san druim ’us anns na lamhan ’sna casan, faireachduinn fuar thairis air a chorp uile air a leanmhuinn ann an uin aithghearr le tinneas ’us mor theas,—a chuisle laidir agus a’ bualadh moran ni’s luaith na b’abhais (mu’n cuaird do 72 bhuillean ann am mionaid ann an neach th’air fas), agus an teangaidh ach beag a ghna geal Tha gu cumanta gortas cinn, an taobh stigh ceangailte, ’sam fual gann agus dorch. Tha e do ghna iomchuidh deoch thilgidh a thoirt ’n uair a shaoileas sibh gu’m bheil neach ann an teasach, agus ma bheirear gu trathail i, is tric a chaisgeas i ’an aon uair an euslaint. Tha tarruing fola feumail ach beag ’sna h-uile chas, agus bu choir a dheanamh cho luath ’sa bhios sibh cinnteach gur e teasach a th’ann. Anns na h-uile cas, cuimhnichibh gur [TD 30] [Beurla] [TD 31] coir do mhuinntir seasamh ’nuair a tharruingear fuil asda, agus gun a tarruing idir nan luidhe, agus is coir an fhuil a stad cho luath ’sa dh’fhannaicheas iad no dh’fhasas iad tinn. Bithidh e gu maith a chuimhneachadh gu’m bheil mu choinneamh gach neach a tha air a mhilleadh le call cus fola, deich mile a’ basachadh le call ro bheag. Deanaibh am fosgladh ’sa chuisle farsuing air choir ’s gu’m faigh sibh na dh’iarras sibh de dh’fhuil gu grad; oir an coimeas cha’n’eil ach beag feum air larg tarruing fola a fosgladh beag. Giulanaidh neach mheadhon-aoiseach, ma tha e gu nadurach slainteil, call 5 no 6 lan cup-tea mus fannaich e, ach cha ’n iarr clann no sean mhuinntir uiread. An deigh tarruing fola, thoiribh purgaid laidir de sheors sam bith, mar a tha tea shenna, jalap ’us calomel, no pileachan, no salts: oir mur glanar gu h-iomlan an taobh stigh cha bhi ach beag earbsa’ a ath-leasachadh aithghearr. Faodaidh e ’bhi feumail fuil a tharruing ni’s trice na aon uair ann an teasach, agus tha e a ghna feumail mairsinn ri toirt tomhasan beaga de dh’iocshlaintean fhuasglaidh na h-uile cheann 3 no 4 laithean gus an lughdaich an teasach. Ma tha agaibh deigh sam bith airson slaint do’n neach thinn, sparram oirbh gu gle laidir an tur fheum air cumail luchd-seanachais dhiomhain ’mach as an tigh, ’sgun idir an leigeadh ’steach do a sheomar. Cha bu choir a bhi idir ’an sin ach aon neach aig aon am, mur bi gu caradh na leapa no leithid sin de ghnothaich, agus gun fhuaim os ceann sanais a bhi air a chluinntinn ’san tigh. Na biodh ni’s mo de dh’aodach air na dh’fhairicheas e taitneach, uime-sin aig aman feumaidh sibh cuid a thoirt dheth ’sa risd an cuir air ’nuair a dh’iarras e sin. Tha so agus comas an ailidh le fosgladh dhorsain ’us uinneagain gu cumail an ailidh ’san t-seomar ur ’us fionnar (ach a mhain ann an aimsir ghle fhuar) tur fheumail gu toirt earbsa ri ath-leasachadh. Faodaidh e ol na ’s aill leis de bhurn dhe aran loisgte (air a dheanamh le taomadh burn teth air mir de dh’aran coirc loisgte agus leigeadh leis seasamh gus am fuaraich e), meog, burn le beagan de shlaman-milis dhearcain dubh lis ann, no burn leis-fein. Ma tha eagal oirbh nach basaich e, ’s ma tha sibh airson cuir as da gu grad, thoiribh uisge-beath’ dh’a; ach ma tha sibh airson a leigheis, na faigheadh e ni sam bith ni’s treise na burn, no brochan tana, no tea. Ma tha a cheann gort no a’ breislich, gearraibh dheth ’fhalt, ’us cumaibh aodach fliuch le burn fuar ’us fion-geur ri ’cheann. [TD 32] [Beurla] [TD 33] Tha gidheadh seors de’n goirear gu tric “teasaichean iosal” no “Tiphus” airson nach ’eil e iomchuidh fuil a tharruing. Ged tha chuisle ’san teasach so luath cha’n’eil i laidir ’us lan, ach caol ’us lag, an teangaidh gu luath air a cuibhrigeadh le sgrath dhorch an ait a bhi geal, agus ni’s mo laigse ’us sgios bho’n toiseach na th’ann an teasaichean cumanta. Gheibh sibh ’nuair a thaisbeanas an teasach so gu’m bi iomadh tinn leatha ’san ait mu’n cuairt duibh, gu’m mair i uin fhada, gu minig mios no 6 seachduinean mus fas an neach tinn slan; ach ’sann a thach’ras teasach chumanta ann an cuisean singilte agus gu cumanta criochnaicheas i ann an deich la no ceithir la deug. Aig toiseach an t-sheors teasaich so tha deoch thilgidh iomchuidh agus cho luath ’sa ghuilaineas an stamac e, thoiribh purgaid laidir de sheors shabhailt sam bith. An deigh so tha purgaidean gu bhi air an toirt an ceann gach 3 na 4 laithean gu ceann cheithir la deug, agus an deigh sin bithidh tomhas de chastoir ola gu cumanta laidir gu leoir ’nuair a dh’fheumar a leithid. Na stad idir bho phurgaid a thoirt ged nach bi an neach tinn ag ith ni sam bith. Faodaidh an deoch a bhi mar ann an teasach chumanta, ach cha choir seors sam bith de bhiadh ’bhi air a ghabhail. Tha an teasach so ag iarraidh moran ni’s mo shamhchair ’sa dh’fhois na’n teasach chumanta. ’Nuair a tha ’n craiceann anabarrach teth ’us tioram tha e feumail an corp uile a fhliuchadh thairis le burn meagh bhla’ ’us aiteal fion-geur aon uair ’san la. Tha ’bhi a’ nigheadh na’n casain ’s na’n lamhain le burn teth ’san fheasgair gu tric a’ cuideachadh gu faighinn fois us cadal. Ghriuthrach. Tha so gu cumanta a’ toiseachadh le cnatan ’sa cheann, le tomhas beag de theasaich na chois, agus 2 no 3 laithean an deigh sin taisbeanaidh na spotan dearg a chomh’raicheas an galar; agus ’n uair a rannsaichear gu dlu iad gheibhear iad a ghna na’n cuairteagan beaga anns am bheil i eadar-dhealaicht’ bho na h-uile bhrisidhean-mach eile. Tha ’n doigh a ghabhar rithe gle shimplidh, agus mur much sibh an neach tinn ’n aird ann an eallach aodaich leapa, agus mur toir sibh uisge beatha no biadh dha, cha’n iarr nadur oirbh de chobhair ach an tras’ ’sa risd tomhas de dh’iocshlaint fhuasglaidh agus aisigidh an neach tinn gu luath gu shlainte. Is ainmig a bhios feum air tarruing fola mur bi an teasach arda. Na cumaibh an neach tinn ro theth no ro fhuar. Biodh an [TD 34] [Beurla] [TD 35] seomar a ghna air a chumail fionnar agus thoirear pailteas de dheoch dh’a, coslach ri sin a tha air a mholadh ann an teasach. Cuid a dh’uairean theid no spotan, an deigh ’bhi muigh uin ghoirid, a steach gu h-obainn, air neo cha tig iad idir gu ceart a mach. Anns a chor so tha blath-fhairigeadh gle fheumail, ’san deigh sin bu choir fuil a tharruing as an neach thinn agus plasd chuileigean a chuir air a bhroilleach. An deigh do’n euslaint a bhi reir coslach gu tur air fhagail, feumar mor thoigh a thoirt air gu fuachd a sheach’nadh re seall. An Teasach Sgarlaid. Tha ’n euslaint so a ghna a’ toiseachadh le nis mo no ni’s lugha de ghoirteas amhaich, a tha cuid a dh’uairean a’ taisbeanadh beagan uairean roimh na bhroth, agus aig aman eile beagan laithean roimhe. Tha an teasach a ghna arda, ach ’sainmig a tha tarruing fola feumail. Feudar deoch-thilgidh a thoirt aig an toiseachadh agus iocshlaint fhuasglaidh chuimseach de chalomel us rhubarb no jalap an drasd ’sa risd an deigh sin: ach ’sann a tha a chobhair mhor ’san teasach sgarlaid a’ co’ sheasamh ann an nigheadh ’chuirp uile thairis le spong air a fhliuchadh le burn fuar cia b’e uair a dh’fhair’chear an craiceann teth ’us tioram. Cha’n’eil agam teagamh nach criothnaich an ioc-shlaint so ’ur barailean a thaobh gnathachadh teasach, ach tha e gidheadh cho dearbh chinnteach ’sa ’surrainn ni sam bith a bhi ’san t-saoghal so, nach’eil leigheas sam bith de dh’fheum sam bith ’san teasach sgarlaid an coi’meas ri so. Cha’n’eil cunnart no diamhaireachd sam bith ann, agus cia b’e uair a bhios an craiceann teth ’us tioram, gun chrith-fhuachd air fhaireachduinn, ’s gun fhallas a muigh, cleachdaibh am burn fuar a chuir air, agus innsidh an neach tinn gu luath dhuibh cia taitneach a ta e, agus bithidh fadachd air gus an cleachdar a rithist e. Tumaibh spong no aodach ann am burn fuar, suathaibh an corp uile thairis, a reisd tior’maichibh e agus cuiribh e ’san leabaidh, agus foadar so a dheanamh caochla’ uairean ’san la ma dh’fheumar e. An deigh do na bhroth fhagail toisichidh an craiceann ri rusgadh dheth an caochla’ aitean, agus feumar mor thoigh a thoirt air nach glac e fuachd, ni ’tha e ni’s ealamh air a dheanamh an deigh so na an deigh euslaint sam bith eile. A Bhreac. Cha’n’eil an euslaint so idir cunnartach ma chaidh breac a chruidh a chuir gu ceart air neach a roimhe, agus cha bhi faireachduinnean na’m paraintean ud a dhearmaideas iad-fein a chuir thuige gu so fhaotainn deante air an clann cho luath sa bhios iad mios no dha a dh’aois na’n cuis fharmaid ma theid [TD 36] [Beurla] [TD 37] a bhreac a steach do’n tighean ’san fheadhainn bheaga ’thoirt air falbh. Is urrainn do ’ur n-uachdaran no ’ur ministear a ghna iongar breic-a-chruidh fhaighinn air n-’ur son gun chosd air bith le sgribheadh gu “Run-chleireach Comuinn shuidhicht’ na Righeachd airson Breac-a-chruidh, ’an Lunnainn,” agus foadaidh aon sam bith le sgribeadh a chraiceinn le snathad agus a mhain a fhrilleadh gun fhuil a tharruing, agus a reisd an iongar a chuir bog ris, a bhi an ire mhaith cinnteach gu’m freagair e. Tha leigheas na Breice a’ co’sheasamh ann an iocshlaintean fhuasglaidh a chleachdadh aig aman (’se calomel ’us jalap air am measgadh a ’s fearr); ann an cumail an t-sheomair fionnar ’us urail; ann ’bhi toirt uiread de bhurn fuar ri ol do’n neach thinn ’sa ’s aill leis, agus bithidh e ni’s fearr ma’s urrainn sibh lemonan no stuth goirt sam bith fhaighinn gu mheasgadh comhla ris a bhurn. Freagraidh duilleagan na sealbhaig gle mhaith. Casdan. Is beag a ruigear a leas a radh air a cheann so; oir ged ’tha ni’s mo de dh’fhaon leigheasan airson casdan na tha airson euslaint sam bith eile, cha’n aithne dhomhse leigheas sam bith ach cumail blath ’us tioram anns an tigh, no fantuinn ’san leabaidh gus am falbh i, a bhi beo air lon gle anmhuinn fad na h-uine, agus a bhi ’gabhail iocshlaint fhuasglaidh; agus tha sugh licorice, cara-meala, no siucar dubh cho maith ri iocshlaint sam bith airson lasachadh goirteis amhaich, le beagan bhoinnean laudanum ma bhios an casd gle throm agus nach bi ainteas ann. Ainteas Sgamhain. Tha ’n euslaint so gu cumant’ a’ toiseachadh le casd eutrom ’us pian ’sa chliabh air tarruing anail, ni, mur caisgear e, a mheudaicheas gus nach urrar an anail a lan tharruing a steach do na sgamhan leis a phian ’sa chasd a thogas e. Tha a chuisle an comhnuidh luath agus laidir, agus bu choir fuil a thoirt as an neach thinn gu grad, an dara cuid na shuidhe no na sheasamh, agus faodaidh sibh leigeadh leis an fhuil ruith gus an urrain e anail a tharruing le socair, no gus am fannaich e. Ma nithear so mus buannaich an euslaint mor bhuaidh is beag tuilleadh bhios ri dheanamh ach iocshlaint fhuasglaidh a chleachdadh. Ach mur deanar so ’an toiseach na h-euslaint’ faodaidh e bhi feumail ath-tharruing fola a chleachdadh ’an taobh stigh de dha uair dheug. Tha plasd chuileigean air a [TD 38] [Beurla] [TD 39] chliabh feumail, agus feumar an neach tinn ’dhi air a chumail cho iosal ’us cho samhach ’sa ’surrar. Losgaidhean. An uair a dhoirtear burn no ola ghoileach air earrainn de na chraiceann, cha’n eagal d’a ma theid uisge-beath a chuir gu grad ris an earrain agus a chumail ris gus an lasaich a phian. Taom an t-uisge-beath air neapaicinn no aodach agus cuir air an earrain loisgte e, ’ga bhogachadh gu tric le tuille uisge-beatha, a chionn gu’m fas e gu luath tioram ’us teth. Tha e cuid a dh’uairean feumail mairsinn a ’cuir an uisge-bheatha ris gu ceann uin 2 no 3 uairean. Ach ma nithear cus dail air so a dheanamh, agus gu’n eirich builg, leigear a mach an t-uisge le snathad chaol cho tric ’sa lionas iad. Na sgoilt agus na gearr dheth am bolg idir, agus mo bhios mor ainteas mu’n cuairt do’n earrainn cuir plasd fuar-lite ris. Ma bheirear gu h-aineolach an craiceann dheth, ’se an ni a’s fearr a chuir ris aodach air a thumadh ann am burn fuar, agus a chumail fliuch, gu cumail an aodaich bho cheangal ris. Faodar an doigh cheudna a chleachdadh ri losgaidhean le iarun, no teine no aobhar sam bith eile. Feumaidh neach air a mhor losgadh ’bhi air a chumail gle iosal agus a bhi air a fhrithealadh mar ann an teasach chumanta. Scuchaidhean. Faodaidh an tubaist phianail so, ma bheirear an aire dh’i aig an toiseach, a bhi air a leigheas gu gle fhurasda agus gu h-aith-ghearr, le leantainn na’n seolaidhean a tha an so air an toirt. Cum am ball a chaidh a dhoch’nadh (’se sin mar is trice alt caol-na-cois no caol-an-duirn) ann an soitheach de bhurn teth gus am bi a phian air sguir, ni nach bi cuid a dh’uairean anns na ’slugha na 3 no 4 uairean, agus cho luath ’sa dh’fhuaraicheas am burn beagan, thoir as cuid dheth le copan, agus lion an aird a risd e le burn teth as a choire gus am bi am ball an ire ’bhi air a sgaldadh. Mair a’ deanamh so gus an lasaich a phian, agus an deigh sin cha bhi an-shocair sam bith air fhaireachduinn ach laigse ’sa bhall. Ceanglar a reisd stiom gu teann timchioll an uilt, agus ann am beagan laithean bithidh e cho slan ’sa bha e ’riamh. Leointean. Cha ’n fheum gearradh, co dhiubh bhios e air a dheanamh le ball geur no neo-gheur, ach na h-oirean aige ’thoirt dluth ri [TD 40] [Beurla] [TD 41] ’cheile agus bann a chuir umpa gu’n cumail ’san t-suidheachadh sin gus an ceangail iad. Ma tha an leon gle mhor, no ma tha e do-dheanta na h-oirean a chumail ri cheile, cuir beagan ghreiman le snathad chumanta agus snathainn tre na h-oirean bho thaobh gu taobh, agus tarruing iad gu cheile, a reisd ceangail bann air. Tha e de mhor fheum a chum an leon a leigheas gu luath, nach biodh tim air a chall ann an toirt nan oirean gu cheile. Ma bhios an leon salach feumar a ghlanadh; agus ma’s ann le mir gloine a rinneadh e, feumar toigh ’thoirt nach bi dad de na ghloine air fhagail ann. Ma dh’fhasas an leon teth, pianail, agus a’ frith-bhualadh re seal an deigh a bhann a bhi air a cuir air, cum e air a chuibhrigeadh le aodach fliuch le burn fuar, agus mur toir sin saorsainn, thoir a bhann dheth gu socrach agus cuir fuar-lit ris. Goirteas-luirgean. Tha doigh leighis na’n leointean so gle shimplidh. Anns a cheud ait cha shlanuich iad mur bi am ball gu conbhalach aig fois an dara cuid sinte air leabaidh no uirigh; a dh’aon fhocal cha’n fhaod i ’bhi ’n crochadh sios, no ’falbh mu ’n cuart. Cha bhiodh idir leithid de nithe as luirgnean goirt a’ mairsinn eadhon re fad seachduin, na’n robh toigh cheart air a thoirt orra aig an toiseach; ach le dearmad sgrib eutrom air chraiceann re fad seachduinn, bha miltean air an deanamh na’m buill neo-fheumail do’n chomuinn,, agus na’n eallach do an cairdean: Gidheadh ’nuair n tha muinntir cho amaideach agus cho choireach as leigeadh le goirteas e-fein a dhaighneachadh ’san luirgean, tha tri taisbeanaidhean a dh’fhaodas e ghabhail air. 1, Faodaidh na h-iomalan a bhi arda, dearg, agus pianail am feadh a bhios uachdar a ghoirteas air a chuibhrigeadh le sgrath gheal bhuidhe. 2, Faodaidh na h-iomalan a bhi meadhonach iosal agus comhnard agus an t-uachdar mar a dh’ainmich mi. 3, Na h-iomalan iosal ’us comhnard agus an t-uachdar saor bho bheag sam bith de na sgrath ud, agus a bhi de choslas dearg fallan. Anns a cheud chor feumaidh sibh plasdan fuar-lit a chleachdadh gu leagadh an ata ’san teas, agus feumar a chrathadh gu h-eutrom le ni-eigin de nadur caitheimh. ’Se an ni a’s fear ocsid dearg mhearcuiri, ach freagraidh fudar de na chlach ghorm no de dh’ alm loisgte. [TD 42] [Beurla] [TD 43] Anns an dara cor cha bhi feum agaibh air a phlasd, ach cleachdaibh an inneal caitheimh, agus cuibhrigidh an lot le breid air am bi im, no bloinig mhuc, no ni a’s fearr ma ’s urra sibh fhaighinn beagan cerate chumanta a sgaoileadh air. Anns an tri-amh cor tha n’ lot a’ dol a shlanuchadh agus cha’n iarr e ach a mhain a bhi air a chaithris. Cuibhrigibh e le breid agus leis an acfhuinn a th’agaibh, agus mur bi an luirgean air a cleachdadh ann an doigh sam bith faodaidh sibh gu reusonach duil a bhi agaibh gu’n slanuich i gu h-aithghearr. Cnamhan Briste. Cha ’n urrain mi ’thoirt ach riaghailtean ginearailt gu ’bhi air an leantuinn ann an tubaistean de’n t-seorsa so. Anns na h-uile cor ’se cheud ni a bhios ri dheanamh, ’n uair a shaoileas sibh cnaimh a bhi air a bhriseadh, an neach a bhios a’ fulang a ghiulan gu socrach agus gu h-aithghear gu leabaidh a tha gu bhi air a deanamh cho chomhnard ’us cho dhaighean ’sa ’surrar, a chionn gu’m faod e bhi fad mus urrainn e a faighinn air a deanamh mar sin a risd gun chunnart millidh air na rinneadh ann an leigheas a bhrisidh. Bithibh gle thoigheach gu cumail na h-earrainn a tha sibh a’ saoilsinn a th’air a briseadh cho socrach ’us cho saor bho chrathadh ’sa ’surrainn sibh an fheadh a ghiulanar dhachaidh e; oir tha e de mhor fheum a chum a leigheas aithghearr. Feumaidh e luidhe air a dhruim ’san leabaidh agus sibhse ’reisd a dhol air adhart gu suidheachadh na h-earrainn bhrist cho dlu ’sa ’surrainn sibh ann a suidheachadh nadurach a’ cumail taic ri ’san t-suidheachadh sin le cluasagan, cloir ’us stalan no criosan, no doigh sam bith a’s deiseile ’gheibh sibh. Na biodh cabhaig neo eirmseach ann, ach na caillibh a bheag de dh’uin ann an deanamh so. Feumaidh aisnean briste criosan tiomchioll a chleibh. Cuid a dh’uairean tha cnaimh air a bhriseadh agus a chinn air an cuir a mach tre na chraiceann, agus am ball cho mor air ata ’us air giorrachadh ’snach h-urrar a shineadh gu leoir gu leigeadh a chnaimh a bhi air a chuir air ais gu coinneachadh ris a cheann eile. Anns a chor so tha an ceann a tha muigh gu bhi air a shabhaigeadh dheth, agus a reisd ’surrar am ball a chuir ’na shuidheachadh ceart. Anns na h-uile cas feumar na h-earrainnean a dheanamh cinnteach le stalan air chor as nach fhaod iad a bhi air an cuir as an ait le gluasad an neach chiuirte, mar a dh’fheumas e dheanamh cuid a dh’uairean, no ann a chadal, oir faodaidh an gluasad a ’s lugha anns na cinn [TD 44] [Beurla] [TD 45] bhrist’ an cnaimh uir a thoisich ri fas a mhilleadh. Ma dh’ fhasas teasach ’san neach leointe, tha fuil gu bhi air ’tharruing as, agus buntainn ris mar a bhi ann an teasach, agus ma bhios moran ata, pian agus teas anns an earrainn leoint’ cuiribh aodach fliuch le burn fuar air, no cleachdaibh fhalcadh le burn cho teth ’sa dh’fhuilgeas e. Tha iomadh tubaist agus aobhar ghearain do ’m faod sibh a bhi buailteach do nach h-urrar feum a dheanamh le seolaidhean sam bith a dh’fhaodainn-sa thoirt duibh ’an so; no eadhon le comhairl leighich sgilear ris am faod sibh cuid a dh’uairean ’ur comhairl a chuir. Gu dearbh cha dean ni sam bith ach comhairl lathail leighich maille ri co’ fhurtan ann an lon ’us doighean eile, nach h-urrainn 9 as an 10 dhibhse fhaighinn aig an dachaidh am bonn-earbsa ’s lugha a thoirt air leigheas aithghearr no idir. Tha an leithide de chomhairl ’us de cho’ fhurtan ann an comas gach aon dhibh fhaighinn le dhol gu Tigh-leighis. Tha iomadh dhibh coslach ri claon-bhreith mhi-reusonta ’bhi agaibh an aghaidh an t-shuidheachaidh oirdheirc so. Tha sibh coslach ri ’bhi a’ smuaineachadh gu’m bi sibh air dhuibh a dhol ann, buailteach do bhi a’ fulang deuchainnean dhearbhaidh airson toilinntinn an luchd-feitheimh leigheil, ach cha ’n eil an leithide de smuaintean gu bhi air an ceadachadh ach a mhain ann an leanabh. Bithidh sibh air n-’ur beathachadh (do reir ’ur n-euslaint) ’san doigh a ’s fearr a ’surrainn an duthaich a thoirt; agus mur caomh leibh na h-iocshlaintean no an caramh a dh’orduichear air n-’ur son air doigh sam bith faodaidh sibh, air bheag rabhaidh a thoirt, an tigh fhagail. A thaobh oibreachadh sam bith a bhi air a dheanamh oirbh an aghaidh n-’ur toil, tha an smuain ro leanabaidh ann an tir shaor mar tha an tir so, air mo shon-sa gu cuir ’na h-aghaidh, agus is ann bu choir dhuibh a bhi taingeil gu’m bheil a leithid a dh’ait an taobh stigh do n-’ur comas ruigsinn air. AODACH NO EIDIDH. Feumaidh gne an ni so a bhi do reir ’ur n-aite-comhnuidh, oir tha e dearbhte gu’m biodh an t-aodach a tha freagarach airson na’m beanntaichean againn gle mhi-fhreagarrach do fheum an iasgair. Airson fear-saothrachaidh air tir, no buachaill chaoraich gheibhear gur e san eididh na duthcha, am feileadh, an t-osan, am breacan, agus am bonaid maille ri cota gearr de [TD 46] [Beurla] [TD 47] chlo laidir blath an eideadh a’s feumaile, a chionn gu’n ceadaich e subailteachd anns na casan ’sna lamhan gle fhreagarrach airson saothair no streap n-ar cnoic lom fhraoicheil. Cha’n urrainn cunnart sam bith eirigh bho rusgadh nan iosgaidean do’n fhliuchadh no do’n fhuachd fhad ’sa bhios na leasraidh ’san druim air an dion le dlu phleatan an fheilidh ’us leis a bhreacan bho gheurad na h-aimsir. Faodaidh mi cuideachd, gun ’bhi buailteach do fhaoineachd uailleach dhuthcha a chuir as mo leth a radh, ge sam bith cho mor ’so bha eideadh ar sinnsireann bho chian ghoirid air a cuir a cleachdadh’ gu’m bheil i a’ toirt sealladh duineil agus maiseach aig na h-uile am do’n fhear a tha ’ga caitheamh. Thug mi fainear a buaidhean talaidh ’am measg mic agus nigheanan na sith, anns gach duthaich de’n Roin-Europe, agus chomharraich i ur treubhantas ann an cath ge b’e ait ’sna thaisbean breacan. Tha ughdarras na sinnsireachd ann a fabhair, tha i co’ cheangailte ri cruadalan ’us buaidhean luchd-aitich na Roimhe, agus bu doilich leam i a bhi air a cuir a cleachdadh; a chionn gu’m bheil mi gu suidhichte de na bharail gu’m bheil eideadh dhuthchasach anns gach ait na h-aobhar laidir anns an aon a tha ’ga caitheamh gu seachnadh masladh a tharruing air an tir as am bheil e a’ deanamh uaill mar dhuthaich a bhreith. Air machair ’se clo laidir no stuth taiceil olladh air a dheanamh na thriubhais agus na sheacaid chruinn, stocaidhean olladh, leine de figheadh iersidh, agus am bonaid gorm an eideadh a ’s freagairiche. Ris sin faodar a chuir airson aimsir gharbh cota mor goirid a ruigeas am fagus air na gluinean, agus gu cumaint air ainmeachadh seacaid fhuasgailt; oir bu choir n-’ur cotaichean mora mhi-eireachdail a bhi gu tur air an tilgeadh a seachad: tha iad a’ cuir eis oirbh ann an imeachd, agur air muir tha iad air leth draghail. Anns na h-uile cuis bu choir flanein a chaitheamh araon a shamhradh ’sa gheamhradh ris a chraiceann, agus na leintean a bhi de chotan stiallach air muir agus de chotain ban air tir. Bu choir a bhi aig gach neach aig a chuid a ’s lugha da phaithir bhrog; paithir laidir airson oibir chruaidh, lan thacaidean le iarun air na sailean ’sair toiseach nam buinn, agus paithir eile airson na mara, oibir eutrom no taobh stigh na’n dorsain. Gu dearbh na’m b’urrar ceithir paithrichean fhaighinn, bhiodh e mu dheireadh air fhaotainn na chaomhnadh; oir mairidh brogan a dha fhada ’nuair a ghleidhear ’sa chuirear a seachad iad an uairean an deigh an cleachdadh. Cha choir do bhean an tighe brogan salach a leigeadh a steach air an starsaich, far am bu choir paithir thioram a bhi a ghna ullamh. [TD 48] [Beurla] [TD 49] Tha cho liugha de chaochladh seorsain ’gan taisbeanadh fein airson eididh bhoirionnaich ’s nach furasd leam a roghnachadh co dhiubh a ’s fearr a fhreagras airson ’ur n-aite-taimh agus ’ur dreuchdain-sa, ach an cumantas mholainn duibh stuth olladh coslach ri camlaid garbh laidir a roghainn air cotan, gu h-araidh ’san fhoghar, ’sa gheamhradh, agus ’san earrach; oir ged tha cotan briadh agus soar caillidh e gu luath dath agus caithidh e a mach gu luath. Tha na neapaigean tartain, dorch, uaine, no purpuir a gheibhear ann ’ar buitean uile eireachdail cho maith as co’fhurtach a muigh, agus tha bonaidean gle fheumail dhoibh-san uile air am bheil curam gu dion an gnuisean bho an-iochd na h-aimsire agus bho phreasaidhean roimh ’n am. Bu choir na h-uile seors eididh uallach spaideil gu puncail a sheachnadh ach na bheir taisbeanadh cumair sgiobalta do’n deis. Cha ’n ’eil ni sam bith a ’s mo a dh’fheuchas blas taireil agus inntinn fhaoin na briadhachd neo-iomchuidh: tha dathan boilsgeant gle thric a’ cuir an ceill eutromachd mhi-chiatach ’san neach a tha ’gan caitheamh, an fheadh a tha dathan ni’s doirche a’ toirt a ghna beachd eireachdais ’us speis, no meas. Ma tha aig deagh bharail nam firionnaich a cuideam fein, faodaidh mi boirionnaich mhaiseach mo dhuthaich a dheanamh cinnteach as nach ’eil ni sam bith cho mor a’ tarruing ar mor mheas no a’ druigheadh oirnn le beachd air iomchuidheachd ’sa tha doigh stuaim agus fhreagarach eididh, agus gu’m bheil sgiobaltachd chumar a’ toirt taitneas a tha cha’n’e ’mhain aig an toiseach a’ tarruing deagh mheas, ach a tha a’ mairsinn gu toirt taitneas an uair a dh’ fhalbhas gu nadurach dathan seargaidh am mais oigeil gu brach. Airson clainne is coir blathas bodhaig a bhi gu h-araidh air a mheorachadh, ach faodaidh an ceann ’s na casan a bhi air am fagail ruisgte le tur thearuinteachd. Is urrainn bean chaontach a tha na deagh bhean snathaid a clann eideadh gu sgiobalta bho earrainnean de a h-aodach fein agus de aodach a companaich, a dh’ fhaodas bho chaochladh aobhairean a bhi neo-fhreagarach tuille airson am feum fein, agus is urrainn a clann bheaga ’bhi mar so gu h-eireachdail air an eideadh air bheag cosdais ann an airgiod. Tha so gidheadh gu mor an crochadh air seoltachd bhoirionnaich, agus cuiridh mi a mhain ris, ge air bith cho mor ’sa dh’fhaodas mi faoin-bhriadhachd a dhiteadh cha ’n urrainn dhomh gu ro laidir a mholadh do na bhean agus na h-inghinnean an aire a ’s mo ’chum araon sgiobaltachd ’us glaine ’nan clann agus ’nam pears’chan fein. Aon fhacal a thaobh dleasanais na mna ann an aire a thoirt nach coir tuill taisbeanadh ann an aodach aon sam bith a bhuineas do’n teaghlach gun an t-snathad agus [TD 50] [Beurla] [TD 51] snath a chleachdadh air ball. Tha an sean fhacal a radh, gu’n caomhain aon ghreim ’na thrath naodh, agus faodar earbsa air ge b’e uair a thaisbeanas aire na mnatha annan caramh gu curamach aodach na teaghlaich nach bi easbhuidh co’fhuirtean air chor-eigin an taobh stigh de dhorsain an fhir-aitich. Tha seann aodach an leinibh no cota oibrichidh an duine gu grinn air a charamh na chomharradh cinnteach air soirbheachadh, fhad ’sa tha an t-aodach luideagach na chomharradh cho chinnteach air mi-churam ’sa tha e air a luchd-feitheimh, eadhon uireasbhuidh ’us truaighe. TIGHEAN AGUS AIRNEIS. ’Siad so na nithe gus am bheil mi ’san ath ait a’ seoladh ’ur n-aire, agus ged a thaisbean cho liugha cumadh ghasd thighean bho chian ghoirid ann an caochladh leabhraichean; gidheadh an uair a bheirear fainear n-’ur corsa fa-leth, feumaidh ni-eigin a bhi air a mholadh, a’diubhraigeadh ann an iomadh puinc bho na bhiodh freagarach ann an cearnaidhean a tha a cheana air teachd air an adhart ni’s mo ann an ordugh agus ann an comhfhurt. A’ toirt fainear na bothanan suarrach anns am bheil iomadh dhibh a thamh bhiodh e mi-chiallach a bhi ’g earbsa airson fhaighinn an aon uair ’nan ait, leithid tighean sgiamhach Suiseach no Sasuinneach, no iaraidh uibhse glainead thlachdmhor dhuine bhochd Dhuitseach. ’Se na h-uile a tha mise a’ moladh dhuibh ’sa cheart am, beagan leasachaidh air na seors tighean a th’agaibh, agus ged a tha mi ag earbsa gu’n tig ath-leasachadh air adhart le a leithid de shinteagan chabhagach sgu’n dean e na tha mi an trath-s’ a’ cuir an ceill na aobhar ghaire beagan bhliadhnaichean an deigh so; gidheadh feumar ’a chuimhneachadh gur ann a tha mi a’ sgribheadh le beachd ri toiseachadh cleachdail a mhain, agus gu’m biodh seolaidhean orail neo-fheumail an uair a dh’ fheumas sinn a bhi gun earbsa ann iad a bhi air an cuir ’an cleachdadh. Ann an tigh-comhnuidh ’se a sgath-thigh a tha a’ teachd an toiseach fo thoirt fainear; oir feumaidh mi an aon uair fianuis’chadh an aghaidh clann daoine agus crodh a bhi a’ dol a steach cuideachd ’san doigh a th’agaibh ’san am so air an aon doras. Tha an duine a tha a’ roghnachadh a bhi a chomhnuidh maille ris na h-ainmhidhean bruideil’ ni’s mo na ’tha tur fheumail a dol gu deonach a sios fodha ’n t-suidheachadh a chomh’raicheadh dh’a le a Chruthaighear, ’ga chuir fein ’an co’ inbhe ris na bruidean, agus cha’n’e mhain a’lughdachadh a mheas fein, ach ’ga dheanamh fein taireil ann an suilean saoghail siobhalta. Tha doras air leth uime-sin [TD 52] [Beurla] [TD 52a] [Dealbh] [TD 53] airson an tigh chomhnuidh tur iomchuidh, agus tha sgath-thigh gle fheumail mar leasachadh blathais, glainead, agus co’ fhuirt chumant’ an tighe. Tha e feumail cuideachd mar aite-gleidhidh airson iomadh de na buill bheaga oibre ’bhithear a ’cuir am feum cho maith as airson nan seacaidean fliuch, nam breacainean, agus brogain salach fhir-an-tighe; airson a lion iasgaich agus airson nan sguaibean lair, ’no bruisean aodaich na mnaith ghlain do ’n coir aire a thoirt nach tig aodaichean salach sam bith seach an sgaththigh gu salachadh a seomraichean a tha air an cumail gu grinn glan: Oir tha a leithid so do riaghailt araon a’ leasachadh co’ fhurt agus slaint a companaich, agus a’ bacadh an t-shalchair ’san rapaireachd a tha easbhuidh aire do’n leithide de nithe beaga cinnteach gu aobhrachadh; agus ann am baile beag Duitseach Bhruc’ tha bean fhir-chumail-cruidh’ cho toigheach mu a seomar suidhe beag ’s nach fag i e idir gu sealltuinn an deigh a cuid cruidh (a tha gu briadha glan air an cumail) gun cuir dh’i a cuid brogan tighe agus cuir oire brogan fiodha na duthcha sin a tha a ghna na’n luidhe aig an doras. Tha a cheud dealbh tighe agus oifigean a tha mi a’ moladh dhuibh, bheir sibh an aire, de’n t-seorsa ’s ilse, agus a’ co-sheasamh a mhain ann an 2 thigh, an leithid ’sa tha cumanta ’san duthaich; aon diubh airson tigh comhnuidh, agus an tigh eile airson oifigean tuathanais mar a leanas. Ann an aon diubh ’se P an sgath-thigh air meud 5 throidhean aon rathad agus 7 throidhean rathad eile, agus 7 throidhean a dh’ arda anns na ballaichean, le D tigh bainne, 4 throidhean aon rathad agus 7 throidhean rathad eile, fo’n aon druim. ’Se S fosgladh cruinn gu toirt soluis an ait uinneag. Bu choir an sgath-thigh so a tha mor gu leor gu cumail nan uile aodaichean ’us bhrogan oibre agus iomadh de n-’ur innealan oibre; an t-aodach an crochadh air taruingean fiodha ceangailt anns a’ bhalla, agus na h-innealan air an cuir a seachad anns na h-oisinnean, a bhi air a thogail le ceum, aig a chuid a ’s lugha 8 eorlaich a dh’arda osceann na talmhainn, agus mur urrar clach air a deagh shnaidheadh fhaighinn, ni te gharbh 4 throidhean a dh’fhada, no a dha dhe 2 throidh gach te an gnothaich gu maith a leor airson ceum, ma bhios iad an eatorras comhnard. Air an taobh a muigh agus am fagus do na cheum feumaidh a bhi iarun sgribidh gu glanadh nam brog;—cha chosd e ach 2 thastan ann an Glaschu ’nuair a thilgear e leaghte ann an deagh chumadh, ach ma bhios neach ro bhochd gu sin a cheannach, ni mir de sheann chearcal no de sheann speal air a cheangal ann an 2 mhir fhiodha air an cuir ’san talamh an gnothaich. Tha D, an tigh-bainne a’ [TD 54] [Beurla] [TD 55] fosgladh bho an sgath thigh le ’uinneag ri tuath agus sruth fionnar de’n aileadh air a thoirt le fosgladh beag ann am bonn an dorais, agus an uinneag a bhi na h-uinneag fhosgailte le slatan fiodha tarsuing, a mhain gu cumail a mach coin ’us cait, agus ann an aitean dustail, mir cainbe sgaoilt air uachdar. Is gann a ruigeas mi leas a radh ’san dol a seachad gu ’m bheil buaidh n-’ur saothair uile an crochadh ri fionnarachd, glaine, agus milseachd an rum bhig so, agus ma sheilbhicheas e a mhain na 3 buaidhean ud a luaidh mi, faodaidh sibh dulan a thoirt do na h-uile shithchean a riamh a dhannsa an oidhche ann am buaile chruidh no a ghoid toradh luachmhor shoithichean bhainne ar sinnsirean. ’Se K an t-aite cocaireachd ’us an rum suidhe 14 throidhean air fada agus 12 throidhean air leud air dol a steach bho na sgath-thigh, agus ait an teine ’fagus air a bhi ri aghaidh an dorais ni a bheir air an ceo a tharuing ni’s fearr Bu choir do chul an teintein a bhi na phlat iaruin no leac leathan thana air chor as gu’m faod an teas a dhol troimhe agus gu’n cum e an seomar leapa laimh ris blath agus cubhraidh gun chosdas teine leasaichidh. Cha bu choir do’ n t-shimlear a bhi na ’s lugha na 4 throidhean air leud aig an leac thealaich agus a’ fas ni’s cuinge mar a theid e suas, ’chum an ceo a tharuing suas gu ceart. Cha thog mi gaire air n-’ur cosdas le bhi ’g innseadh coslas n-’ur bothainean ceo-ach an tra-s’ agus an toll ’san tubhadh le cuid a dh’ uairean seann chliabh air a shuidheachadh ceangailt air mar shimlear, ach canaidh mi gu ’m bheil simlear na ni nach gabh seachnadh far am bheil speis sam bith do cho’fhurt, do ghlaine, no do chaontachd; oir tha an ceo anns am bheil sibh a nis beo cha n ’e ’mhain a’ salachadh agus a’ milleadh n-’ur cuid aodaich ’us airneis ach gu h-aithghearr ag atharrachadh nan gnuisean rui’teach a ’s aillte ’san t-saoghal gu preasadh roimh an am ’agus gu duaichnidheachd. Tha ’n uinneag (air a roinn na da earraiun, aon ceangailt, agus an earrainn eile a ’ruith thairis oire an uair a dh’ fhosgailear i) a’ sealtuinn ri deas do ’n lios, agus bu choir dh’i a bhi aig a chuid a ’s lugha 2 throidh a dh’ fhada ’us 8 eorlaich a dh’ airde agus air a lionadh le leosaidhean beaga gloine agus cha ’n ann le buird. Tha B an seomar leapa a fosgladh bho ’n rum shuidhe agus tha e 9 throidhean a dh’ fhada ’us 12 throidhean air leud, an uinneag de’ n aon chumadh ri uinneag an rum-shuidhe, ach ni’s lugha theagamh a sealtuinn troimh an tulchainn; air an aobhar so gu ’m bheil mir maith de bhalla air fhagail eadar uinneag an rum-shuidhe agus an oisinn ris am faod craobh mheas a bhi air a h-arach, ma bhios aig an fhear-aitich uiread de thlachd ’us de sgil. Ma ’s maith leibh an tigh so a dheanamh ni’ s mo, cha’ n’ eil agaibh [TD 56] [Beurla] [TD 57] ach a mhain an seomar leapa a dheanamh 3 no 4 throidhean ni ’s fhaide agus a roinn mar a tha air a chomharrachadh leis an riach phuincean, agus bithidh agaibh da sheomar cadail, 6 throidhean a dh’fhada agus 12 throidhean a leud gach aon diubh a’ fosgladh le a cheile do an rum-shuidhe Bu choir do chladhan 4 throidhean a dhoimhne agus 3 throidhean a leud agusair a lionadh gu maith le clachan beaga ruith an taic ri balla an tighe gu gabhail uisg eirigh sam bith, no uisg a thuiteas bho mhulach an tighe, agus ma bhios an cladhan so air a lionadh mus toisichear ris na ballaichean, ’surrar an togail cho dlu ris ’s nach h-urra sibh a bhi anns an tomhas a ’s ludha fo dhragh leis a cheud aitidheachd neo-fhallan sin. Faodaidh na ballaichean a bhi air an togail de clachan tioram, na coisean air an lionadh le coinneach, agus an taobh a muigh ’san taobh a stigh air an dunadh le aol; agus cha bu choir do ’n taobh a stigh a bhi idir gun a gheal-nigheadh le aol ’us burn aig a chuid a ’s lugha aon uair ’sa bhliadhna. Tha so feumail ged nach biodh ach airson aomaidh shlainteil, oir tha ’eifeachd ann an uile ghalairean gabhaltach gu gle aithnichte gu bhi air aicheadh; ach a thuilleadh air so ni e n-’ur seomraichean moran ni’s soilleir’, a’ toirt sealleadh-suilbhir eadhon anns an aimsir a ’s gruaimiche, agus tha eireachdas ’us taitneas ann an seomar air a dheagh gheal-nigheadh ge air bith cho neo-fhinealt ’sa dh’fhaodas an airneis a bhi, a tha ni’s fearr air fhaireachdain na a ’s urrar a chuir an ceill. Bu choir do ’n lar a bhi de thalamh dubh air a theannachadh, no de chriadh agus aol air an deagh mheasgadh agus air a thogail bho 8 eorlaich gu troidh os ceann a ghrunna. Cha bu choir do ’n mhullach a bhi ni’s fhaidhe de chumadh n-’ur seann cheangail, ach de shailean, agus air an cuir gu ceart air na ballaichean, agus an tubhadh a bhi de fhraoch air a dheagh chuir air agus aig a chuid a ’s lugha aon troidh de thiuighead, le riadh a dh’fhodar ’sa chriadh 1 eorlach a thiuighead fo an tubhadh fhraoich. Tha ranach mar an ceudna na dheagh dhion gle mhaireanach, ach tha e rud-eigin costail, agus cha’n ’urrar ann ’ur cor-sa fodar a sheachnadh, ni ged a b’urra, cha ’n ’eil e cho saor, bla, no buan ri fraoch. Anns a bhalla-dealachaidh an ruim shuidhe bho an t-seomar-leapa feumaidh na pris a bhi, mar an t-aite a ’s tiorma airson aodaich no biadh, agus faodaidh sgeilpeachan fosgailte a bhi air an cuir an ait sam bith timchioll an ruim shuidhe, cho maith as anns an sgath thigh agus an tigh-bhainne gu cumail nithe a dh’fheumar a ghna. Mu thimchioll ’ur n-airneis cha chan mi moran; oir ann a leithid de thigh ’sa chuir mi an ceill duibh, is leor dhuibh mat no sosag de luachar no fhraoch aig doras an ruim-shuidhe gu suathadh nan casan air, da sguab fhraoich no bheatha, bord, 2 chist ghlaiste, a thuilleadh air na pris anns na ballaichean [TD 58] [Beurla] [TD 59] agus na sgeilpeachan timchioll an ruim; seithear mhor ghairdean airson neach tinn, no airson deagh sheann shean-mhathair gu suidh inte ’fagus do’n teine, fuirm fada agus stolanan, an aireamh a dh’fheumar de leapaichean maille ri aodaichean leapa agus innealan cocaireachd, mar a ta poit no coire, aghann-rostaidh, agus branndair. Le saibhreas ni’s mo na a tha moran dhibh-se a’ seilbheachadh comhraichidh ’ur n-uireasbhuidh fein a mach cia mar a ’s fearr a chuir a mach ann an nithe feumail no briadh. Ach ged a tha mi ag aireamh cho gearr na h-airneis a dh’fheumas sibh, cha ’n urra dhomh a dhearmad ni-eigin a radh mu thimchioll ’ur seomraichean ge air bith cho beag no suarach ’sa ta iad, a bhi a ghna air an cumail anns an staid a ’s glaine, agus tha mi a radh a ghna a chionn gu’n comhraichinn mar mhosag bean-tighe sam bith nach toireadh an aire ach an drasd ’sa risd do a dleasnasan glanaidh ’us sguaibidh. Cha mholainn do dhuine og sam bith mar bhean, an oigh a bha gu briadh air a h-eideadh air an t-sabaid, ach aig an robh a falt ’sa h-aodain a’ leigeadh ris easbhuidh aire do a pears fein air na h-uile aobhar eile’; oir a reir coslais cha dean a leithid de bhoirionnach ach ceile shuarach do’n fhear-posd a’s fearr, agus tha mo thruas gu treibhdhireach ris an fhear aig an dean a bheann dail cho fada ’sa ’surradh dh’i air dleasnas lathail cumail a tigh ’an ordugh, agus nach cuir an ordugh e ach an uair a tha duil ri cuid a thighinn a shealltuinn, agus an uair a chuirear thuige i gu coi’lionadh a dleasnas a mhain le faireachadh naire agus ’an aideachadh a monais fein. Ciod sam bith doigh am bi cabhaig an latha, na biodh idir am biadh maidne air a h-ith gun ’ur nuinneag a bhi air fhosgladh airson aileadh uir; an rum suidhe, an sgath thigh agus an doras a bhi air an deagh sguabadh le sguab fhraoich, a dh’fhaodas t-fhear a dheanamh feasgair sam bith, agus bu choir a ghna seasamh ’san sgath-thigh: So deanaibh ’an am cabhaig, ach mar riaghailt chumant biodh n-’ur aodaich leapa air an crathadh, na leapaichean air an caradh gu grinn an aird, n-’ur soithichean air an nigheadh, agus an tigh uile air urachadh leis an aileadh agus air a sguabadh mar cheud dhleasnas anns a mhaduinn. Na biodh leisgeil sam bith airson easbhuidh tim airson giulain luaith, sguaibidhean no burn salach air falbh a mach a chum an otraich an ait na h-uile a sguabadh do oisinn gus am bi agaibh tuille tim, agus a’ taomadh a bhurn shalaich aig an doras do bhrigh gu’m bheil sibh ro leisg gu dhol tearc de shlatan ni’s fhaide. Feumaidh so uile ann an tomhas-eigin a bhi air a dheanamh an drasd ’sa risd leis gach aon (oir cha bhi aig ’ur muc bhochd a tigh salach ma ’s urrainn i a sheach- [TD 60] [Beurla] [TD 61] nadh) agus na’m biodh e air dheanamh gu riaghailteach na h-uile la bhiodh n-’ur tigh ann a leithid de staid is gur beag an tim a dh’feumar dh’a. Gu dearbh bu choir moran de so a bhi air a dheanamh le n-’ur clann ged nach biodh e ach gu toirt dhoibh cleachdadh riaghailt, umhlachd, agus iomchuidheachd. Cha ’n ’eil leanabh de aois 6 bliadhna nach h-urrainn cobhair gu feumail ann an leithid so a dhleasnan, agus an uair a chunntas sibh nach tog giulan a bhuirn shalach na luaith, no an fhuighlich gus an ait iomchuidh, an ait an taomadh, an ait sam bith eile, ach 2 mhionaid gach am, tha e soilleir gur diomhan a bhi a toirt leisgeul airson leisge air bhonn easbhuidh uine: Oir saoilibh gu’n sguabadh, gu’n glanadh, ’s gu’n uidheamaicheadh sibh an tigh 6 cuart ’san latha cha toir e uaibh ach 12 mhionaidean as na 24 uairean, ni gu cinnteach nach eil ro mhor gu deanamh cinnteach co’fhurt, glaine, ’us caontachd; oir cha ’n ’eil ni sam bith cho chosdail ri salachar agus cleachdaidhean rapach. Le sealltuinn air an dealbh bheir sibh an aire gu’m bheil an t-otrach an taobh a stigh a bhalla agus ’san aon ait ri n-’ur inneir bathaich ’us stabuill a tha na ait goireasach gu leor, agus cha ’n ’eil e tur ri aghaidh doras n-’ur tighe a chum ’s nach oilbheumaich e ’n t-suil, am feadh a ta an tigh-inneire gun a bhi ro fhad as no follaiseach, air dh’a ’bhi air fholach aig cul a bhalla bu choir a bhi air a thogail gu 6 throidhean a dh’airde, far am bheil e a’ cuartachadh an otraich ’sa ’toirt ni’s mo a dh’fhasgaith do na tighean. Is gann a tha am bathach ’san stabull air an dealachadh. Cha ’n ’eil iad ach 12 shlatain bho n-’ur doras fein, a’ gabhail an rathaid aig 18 throidhean a leud, agus tha aca solus le toll cruinn fosgailte agus da chaol-fhosgladh anns a bhalla, 4 eorlaich leud ’us 18 eorlaich a dh’airde. Tha da dhoras air, doras beag airson a dhol a steach air bho n-’ur tigh, air nach coir an spreidh a leigeadh a steach air neo salaichidh agus lathaichidh iad gach ni mu n-’ur doras fein; an doras eile ni’s mo, agus a’ fosgladh do na bhuaile air am bheil mar an ceudna 2 dhoras, aon mar air a chomhrachadh, le ruithlean air n-’ur son fein gu dhol do na bhuaile, agus airson na’m muc ’s nan cearc. An aon eile na gheat airson nan ainmhidhean uile. Ann an oisinn bhlath agus cho fagus as gu faighinn uile fhuighleach an rum chocaireachd, tha fail nam muc L, agus tha tigh nan cearc G mar an ceudna air a shuidheachadh gu deiseil le aghaidh ri deas. Tha air an t-sabhall E, 2 dhoras ri aghaidh [TD 62] [Beurla] [TD 62a] [Dealbh] [TD 63] a cheile gu tarruing na gaoith agus ga gabhail a steach an arbhair bho na gharadh agus gu toirt a mach fodar do na spreidh, agus tha sgail-thigh airson cairn C, no ni sam bith eile mar leith-cheann air a chuir suas le puist an ait ballaichean aig an tulchann iar. Dlu do gheat na buaile tha slochd-uisge airson uisgeachadh nan spreidh, ’s nan tunnagain, &c. Z agus faodar an t-uisg a thoirt d’a ionnsuidh le cladhan fo’n talamh bho ’n tobar no bho aite deiseil sam bith eile. Tha ua h-amairean TT airson gabhail uisg na buaile ri aghaidh a bhathaich agus air taobh-muigh a bhalla tre ’m bheil e a’ ruith le fosgladh beag air fhagail airson an aobhair sin, agus tha amair eile mar air a sheoladh an deigh so ’na luidhe fo an te sin. Air cul sud uile tha an garadh airson arbhair, buntata ’us feur; gach seors air a shuidheachadh deiseil, air an cuartachadh le balla airson dion, ni bu choir a dheanamh mar an ceudna air a bhuaile air beul’aobh nan tighean, do bhrigh gu’m bheil mar X, na fhasgath agus mar aite bleoghainn ’san t-samhradh air chor ’s nach caillear a bheag de ’n inneir, agus do bhrigh gu’n cum e n-’ur mucan, spreidh, inneir, &c. ann an doigh gle ordail, a phaidheas gu h-aithghearr a cheud chuir-a-mach ann an togail. Cha ’n ’eil fios agam am bheil ni sam bith eile gu do-sheachnaite feumail airson an tuathnaich bhig le 2 no 3 no 4 de chrodh agus each, agus tha an riaghailt so cho ghoireasach ’sa ’s urrainn domhsa a dheilbh. Ann an toirt mo dhealbhhan eile uime-sin, cha toir mi a bheag de sheolaidhean thar a leithid ’sa tha tur fheumail gu’n deanamh so-thuigsinneach, air eagal gu’n teid mi ni’s fhaide na a runaich mi a thaobh meudachd mo leabhair bheag so, air chor’s gu’m bi e feumail do neach sam bith a bhios aig iarraidh seoladh bho na dealbhan so, 2, 3, agus 4, na bha a cheana air a radh araon air a cheud tigh chomhnuidh agus na tighean tuathanais a leughadh thairis. Tha an darna dealbh a’ co’ sheasamh ann an 3 tighean agus sgail-tigh, agus tha iad uile ni’s goireasaich, ach theagamh ni’s costail na a cheud dealbh. ’Se R an sgath-thigh, Q an t-aite-suidhe do’n teidear a steach bho ’n sgath-thigh. V, seomar leapa do’n teidear a steach bho ’n rum-shuidhe, agus N, seomar-leapa eile a’ fosgladh bho an sgath-thigh. Ma bhios aite teine ri seomar-leapa N, faodaidh e a bhi air a chuir suas ris an tulchann, air dh’a ’bhi ni’s saora agus aig an am cheudna a’ toirt cothrom blathais do thigh nan cearc K, air a thogail ri chul’aobh. ’Se G an lios. Anns an tigh so aig a chuid a’s lugha bu choir a bhi aon seomar-leapa air a lathaisteachadh, air a phlastereadh, agus am mullach a bhi mar sin cuideachd, agus lar dheilichean. Anns a chitsean bu choir lar [TD 64] [Beurla] [TD 64a] [Dealbh] [TD 64b] [Dealbh] [TD 65] leachdain no ni a’s fearr leachdan criadhaich, agus na ballaichean uile a bhi air an togail le aol. Tha da thigh tuathanais ann ri agaidh a cheile agus ceangailt’ aig an darna ceann le sgail-thigh do na spreidh, le buaile eatorra airson innear. ’Se am bathach B a’s faisge do’n tigh, leis an tigh bhainne D dlu ris aig aon cheann. Tha an stabull F agus an sabhal C fo an aon druim dealaichte le cailbhe-bhalla, agus os ceann an sgail-thigh faodaidh aite-tasgaidh beag a bhi airson sil. Air a chul tha an garadh-barra agus air a bheul’aobh an slochd O, agus na h-amairean T. Gheibh sibh na dorsan agus na geataichean uile air an suidheachadh le beachd faighinn gu goireasach a steach. Aig W tha an coire airson goil sil, feur, moll, neipean, &c. airson a chruidh, nan each, nam muc, agus sgail-thigh chairn, aig X an cul’aobh an stabuill. Tha an tri-amh dealbh na thigh ni’s mo fathast, de chitsean ’us 3 seomraichean maille ris na tighean-tuathanais air mheud an riaghailt cheudna. F an sgath-thigh, C an citsean a’ fosgladh bho na sgath-thigh, A agus B 2 sheomar leapa, a’ fosgladh bho ’n chitsean. D seomar leapa a’ fosgladh bho na sgath-thigh, G an lios, O an tobar. Anns an tigh so bu choir lar dheile a bhi ann an cuid de na seomraichean, agus iad a bhi air an lathaisteachadh, air am plaistereadh, agus am mullach a bhi mar sin cuideachd, agus faodar tigh gast a dheanamh le cuir 5 troidhean ris an t-seomar D, agus an sgath-tigh mar air a chomh’rachadh leis an riadh phuincean, agus na ballaichean a thogail 3 troidhean ni’s airde. Le so bhiodh D na sheomar suidhe, le aite teine n’am b’aill leibh, agus seomar leapa co’fhurtach os a cheann a dh’ionnsuidh an tairear le fosgladh bho na sgath-thigh ’s le aon de na staidhreachan dubailt air am moladh le Loudon. Tha na tighean-tuathanais ’san 3-amh dealbh a’ co’ sheasamh ann an 3 tighean fa chomhair a cheile co’ cheangailte le 2 sgail-thigh spreidh. ’Se S an tigh bainne, T am bathach, Q Q sgail-thighean spreidh, P P buaileachan airson inneir, R an sabhal, L an stabull, H aite blath airson laoidh no searraich, N N sgail-thighean chairn, V tigh-inneir, X fail-mhuc, Y tigh-chearc, agus O an coire. Dh’fhoghnadh an tigh agus na tighean tuathanais so airson 100 acar fhearuinn. Dh’fhaodainn a thoirt moran chaochladh dhealbhain goireasach, ach cumaidh mi mi-fein ri aon eile a thug mi a leabhar Mhr Smith a tha air a clodh-bhualadh le ughdarras a Chomuinn Ghaidhealaich, agus is e an 4-amh dealbh anns an leabhar ud cho maith as, an so, ach chuir mise beagan leasaichidh ris na seomraichean uachdarach a chum a dheanamh na thigh ni’s goireasaich air bheag leasaich de chost. A, sgath thigh, B, rum suidhe, C, citsean, D, aite glanaidh, E E, closaidean [TD 66] [Beurla] [TD 67] leapa, F, seomar loin, G, seilear, H, tigh-inneir, K, tigh-mhuc ’us luaith’. Anns an sgath-thigh tha staidhre bheag a tha a’ treorachadh gu 2 gharaid mhaith le uinneagan air na tulchainnean. Is leor na h-aon tighean tuathanais ’sa tha ’san 3-amh dealbh airson tuathanas ’sam bith do’m bheil an leabhar bheag so air a runachadh, agus b’urra’ mi leis ni’s mo thaitneas mo laithean a chaitheamh ann a leithid de thigh beag sgiobalta ’s a luaidh mi na’m biodh e air a dheadh airneiseachadh agus air a chumail grinn na bhi beo ann an tigh ge air bith cho mor ’sa bhiodh e, do nach biodh agam maoin gu leor gu ceartas a thoirt. BATAICHEAN, INNEALAN IASGAICH, &c. Ann an labhairt mu n-’ur Bataichean agus ’ur n-innealan iasgaich is beag na ’s urrainn mi a radh thar na tha n-’ur fein-fhiosrachadh fhein a’ teagasg. Rinn sibh-fein sinteagan chabhaigeach ann an deanamh ni’s fearr an taobh stigh de na 30 bhliadhnaichean mu dheireadh, agus bu choir do’n bhuaidh a lean an t-atharrachadh n-’ur misneachadh gu ath-leasachadh a reir sin anns gach ni eile a bhuineas do n-’ur caochladh shuidheachaidhean. Ach ged nach urra mise n-’ur seoladh gu ath-leasachadh ann ’ur doigh iasgaich, sparrainn gu dian oirbh ’an so, mar anns na h-uile ni eile, gu’m bheil sibh ro mhi-churamach mu n-’ur bataichean, gu’m bheil iad gu tric ro fhada gun charadh, agus gu’m bheil sibh an ire mhaith gu co-ionann ’gam fagail ruisgte do chaochlaidhean aimsir fhliuch ’us thioram. Tha fios agam gu’n deanadh sgail-thigh beag (fosgailte aig aon cheann no aig an da cheann, na cliathaichean de gharbh chlachan, agus am mullach air a chuibhrigeadh le fraoch, ni le cuir a mach 30 thastaínean a dh’fhaodadh mairsinn cho lion sin de bhliadhnaichean,) ’ur bataichean a ghleidheadh air chor’s a thoirt orra riarachadh air a char a’s lugha trian leasaich de dh’uin na a tha iad a’ deanamh aig an am so, agus an tearnadh bho chunnart brisidh le gaoitean ni ann an cuid a dh’aitean a tha a nis gu tric a’ tachairt. ’Se an cunntadh cumanta gu’m mair bat 16 throidhean ’na druim a ’s fhiach 7 puind Shasuinneach mu’n cuart do 7½ bliadhna, no 4 bataichean ann an 30 bhliadhnaichean. A nis ma ’se leis an sgail-thigh so gu’m mair n-’ur bataichean trian ni’s fhaide na tha iad an nis a’ deanamh, no ni is e an t-aon ni gu’n urra aon bhat a bhi air a caomhnadh ’san uin sin; tha e na chuis de chuideam air chor-eigin, oir tha agam deadh reuson gu chreidsinn gu’m bi na 30 thastainean de chuir-a-mach ann an [TD 68] [Beurla] [TD 69] sgail-thigh ni’s mo na air an ath-phaidheadh ann an caomhnadh nan ath-leasachaidhean beaga ud a dh’fheumar an tras gu minig, agus anns an diubhar eadar an tomhas tearra a tha an tras’ air a chaitheamh leis a ghrian ’san t-uisge agus na bhiodh a mhain feumail le leithid so de dhion bho ’n aimsir. Agus dh’fhaodadh e a bhi na chaomhnadh air chor-eigin na’n robh sgail-thigh air a dheanamh farsuing a leor airson 2 bhat ’nuair each ruigeadh an cuir-a-mach air a roinn eadar ochdnar sheilbheadairean gu os ceann 5 tastain am fear. Cha ’n ’eil ni sam bith a ’s urra’ mi a radh mu lin nach aithne dhuibh a cheana, ach faodaidh mi a luaidh, na’m b’urrar an uin a chaithear ann an deanamh ’ur lin aig an dachaidh a bhi air dhoigh eile air a chleachdadh gheibheadh sibh gur buannachdaile dhuibh lin phatent a cheannach, or is iad a’s fearr gu iasgach leis cho riaghailteach ’sa tha iad deainte. Mholainn dhuibh seol-mor beag agus gaff a roghainn air na siuil cheithir-chearnach a tha an trath-s’ air an cleachdadh. Cha ’n ’urradh mi gidheadh a dhearmad a bhi luaidh beachd a thainig a steach orm le neo-chinnteachas soirbheachaidh an iasgair. Anns a chuid a ’s liugha de dh’aitean ri taobh na mara, ’se ’n cleachdadh cumant tha mi ’a creidsinn an darna cuid sgiobaichean bhataichean a bhi nan companaich cho’ ionainn agus nan seilbheadairean, air neo fear aig am mo a bheil na cach a bhi na sheilbheadair singilte, agus toirt mar dhuais cuid de ’n iasg a ghlacar do na sgioba a tha ag oibir dh’a. A nis a chionn gu’ bheil e gu tric a’ tachairt gu’m bheil aon bhat sealbhach an fheadh a ta aon eile mi-shealbhach ged a tha iad le cheile air an aon ait agus co’ ionainn saothrachail, chomhairlichinn gu’n deanadh na h-uile no cho liugha ’sa thoilicheadh anns an aon bhaile no choimhearsnachd toradh am bataichean uile cumanta agus a roinn co’ ionainn air chor as ged nach biodh aig fear sam bith ni’s mo na roinn chumanta, nach biodh easbhuidh air fear sam bith mar a tha cuid a dh’uairean a’ tachairt. No do sheilbheadair bata iomlana chomhairlichinn e do roinn a stoc nan earrainnean ann an ceithir no cuig bhataichean a roghainn air gabhail a chunnairt de bhuannachd no de chall ni’s mo le aon bhat iomlan a bhi aige dh’a fein. Tha so direach air bonn suidhichte na tearuinteachd a tha a’ lughdachadh buannachd a mhaighistear luinge ach a tha ’ga dhion bho chall na h-uile: agus an uair a chluinneas mi mu chall lin ’us bhataichean le iomadh tubaistean do-sheachainte, tha mi a ghna a’ faireachdainn aomadh laidir gu moladh doigh air choreigin, a leithid ’sa chuir mi a nis an ceill airson ’ur tearuinteachd le ’cheile. [TD 70] [Beurla] [TD 71] TUATHANAS, ’US ACHFHUINNEAN TUATHANAIS. Tha so a’ co-chuir ri a leithid de chaochladh talmhainnean ’us bharrain ’sgu’m bheil e feumail domh mi-fein a chumail gle ghoirid ann a leithid so de leabhar, agus gun a thoirt ach cuid de riaghailtean ginearailt airson fearuinn fhas aiteachadh agus fearuinn aitichte a riaghladh, agus is urrainn domh a bhi ni’s aithghearr a chionn gu’m bheil na talmhainnean agaibhse an ire a bhi gu h-uile de dha sheors a mhain; mointeach agus uir mheasgte le gainmh-chriadh, agus tha na poir a’s freagairiche gle thearc de sheorsain; ’siad sin coirc, eorna, buntata, clobhar agus sneipean. Ann an leisgeul airson mo bheachdan a chuingeachadh mar so, faodaidh mi a chuir an ceill gu’m faod tuathanas cho maith ri ceirdean sam bith eile a bhi gu buannachdail air a cleachdadh air tomhas beag, gun eolas air bith air a dealbh-bheachdan air an teid mi uime sin a seachad gun aire a thoirt doibh ged a tha iad a’ togail aite follaiseach anns a chuid a’s liugha de leabhraichean tuathanais agus gu toiltinneach mar sin, o’n bha iomadh de n-ar ath-leasaichidhean a’s fheumaile air an toirt a steach le luchd-eolais bheachdail a bha tur aineolach air an cuir an cleachdadh: Ach faodaidh sibhse ’bhi cinnteach nach comhairlich mise ni sam bith dhuibh a ghabhail nach robh a cheana air fheuchainn gu buadhach ann an aitean ’san coirean eile coslach ri n-’ur aitean ’s ’ur coirean fein, air chor as gu’n urra’ sibh tha mi ’g earbsa’ bho na riaghailtean a leanas a bhuannachd a dh’iarrar fhaighinn a dh’easbhuidh mi do chuir an ceill nan dealbh-bheachdan air am bheil buaidh nan oibreachaidhean tuathanais ud ’an crochadh. Anns a cheud ait a thaobh aiteachadh talamh fas; ged a tha claon-bhreith laidir an aghaidh aiteachadh mointich, faodaidh sibh a bhi cinnteach gu’m bheil i ni’s tairbhiche na talamh sam bith eile ’nuair a ghabhar doigh cheart rithe; oir tha innte ni’s mo de bhrigh luibhean; agus ’se a cheud ni n-’ur mir talmhainn a dheanamh comhnard le tilgeadh nan totain arda garbh anns na tuill ’s na sluic agus anns na cladhanan cama uisge, ga chumadh uile na iomairean 16 throidhean ann an leud a fagail cladhan beag 18 eorlaich a leud agus 12 eorlaich a dhoimhne eadar gach iomaire, a dh’fheumas a bhi air a deanamh ni’s airde ’sa mheadhon gu leigeadh le uisg air a h-uachdar ruith dh’i. Ma bhios moran de mhirean ruighinn mointich ann ni’s mo na a dh’fheumar gu lionadh na’n tuill an aird bu choir duintean beaga a dheanamh dhiubh agus ’nuair a bhios iad tioram an losgadh gu toirt luatha mar mha- [TD 72] [Beurla] [TD 73] thachadh: Oir ged a tha gearradh ’us losgadh air an diteadh leis an luchd-sgribhidh a’s fearr air tuathanas, agus gu h-araidh ’nuair nach ’eil a bhrigh luibheach air uachdar gle phailt, tha diubhar mhoir ann ’ur talamh mointich-sa, agus faodaidh an tiomlan de’n fhraoch, a choinneach, agus an fheur gharbh, maille ris a mhointich uachdair gu doimhne 5 no 6 eorlaich, a bhi gu buannachdail air an tiondadh gu mathachadh le’n losgadh; tha so ann an tir thioram gu furasd air a dheanamh le tional nan sgrathain gearrte agus tioram nan duintean agus an losgadh le teine mall smuraichidh agus ’ga chumail duinte bho ghaoth laidir a dh’fhaodadh a thoirt orra losgadh ro ghrad, le cuir tuilleadh sgrathain air. Ach agaibhse tha ’n tiormachadh ’san losgadh ag iarraidh mor aire; feumaidh na sgrathan a bhi air an cuir a suas nan streathan an aghaidh a cheile leis na taobhan feoir a stigh, agus ma dh’fhasas an aimsir gle fhliuch bu choir an carnadh no an cruachadh a naird cuideachd ged nach biodh iad ach leth thioram na’n duintean mora agus a risd an sgaoileadh a mach aig a cheud chothrom thioram a thig gus am bi aid tioram gu leoir gu losgadh. An uair a loisgear iad bu choir an luath a bhi air a cumail ann an duintean agus iad air an dion bho ’n aimsir le comhdach sgrathain gus an earrach an uair a ’s urrar a sgaoileadh gu riaghailteach air an talamh agus a threabhadh a steach ma bhios coirc gu ’bhi air a chuir, no a chuir a steach an cois an inneir no ’n fheamainn airson buntata. Bu choir clais aig a chuid a’s lugha 6 throidhean a leud aig a beul, 2 throidh a leud ’na grunn, agus 4 throidhean a dhoimhne, a reisd a bhi air a cladhach timchioll a mhir a runaichear airson aiteachadh agus an stubh a thilgeadh ’naird air an taobh a stigh gu deanamh garadh dion a ’surra’ bhi air ardachadh le tuille de dh’fhal a chuir air, air chor as nach e mhain gu’n dion e bho na spreidh ach fos gu’m bi e na fhasgadh bho na gaoithean a tha gu minig cunnartach do arbhair ag abachadh ann an aitean fosgailte. An deigh so bu choir cuid de chriadh no de thalamh garbh grinneal de sheors sam bith a chuir thairis air a mhointeach gu tiuighead sam bith a thoilichear, agus mar a ’s mo ’sann a’s fearr, agus gheibh sibh e de mhor fheum, oir tha eadhon gaineamhach chumant na mara, no gaineamhach aimrid eile ag athleasachadh talamh mointich gu h-iongantach, ’ga dheanamh ni’s fosgailte agus aig an am cheudna a’ toirt a leithid de chuideam agus de theannachadh ’s nach sgeith e ’n aird an siol agus na plantanan ann an aimsir reoite no ghle thioram; air an aobhar sin na smuainichibh mointich fhasail air bith air a lan thoirt a steach gus an toir sibh dh’i aig a chuid a ’s lugha aon chotadh thairis le criadhach, grinneal, talamh, no gaineamhach. [TD 74] [Beurla] [TD 75] Anns an earrach faodar a shuidheachadh le buntata air a chuir ann le bacan, agus mur bi tim airson a chriadhach no’n grinneal a chuir air aig an toiseach, faodar a dheanamh an deigh cuir ann a bhuntata; ach cha choir aig am air bith talamh mointich a ruamhradh gu ro dhomhain; oir ma ruamhrar e ni’s doimhne na 9 no 10 eorlaich millear e. Cho luath ’sa bheirear am buntata as, bu choir cladhanan a ghlanadh a mach agus gun leigeadh le burn sam bith fuireach ’an ait sam bith fad a gheamhraidh no an spreidh a leigeadh gu shaltradh no tholladh le an casan. Luathrach ’san earrach tha coirc ri chuir le mathachadh no gun mhathachadh mar a dh’fhoillsicheas feothas no bochdas a bhuntata, agus bithidh an fhearuinn a theannachadh le rolair fiodha air fhaotainn feumail. Ma dhearbhas am bar coirc gle throm faodar darna bar a thoirt as an ath bhliadhna gu h-araidh ma chuirear aol no gaineamhach shligean air. ’Se buntata an ath-bhar bu choir a chuir ann le mathachadh a rithist, agus mu’n am sin bithidh an talamh gu maith daingean agus faodar eorna fheuchain gu soirbheasach le cuir maille ris am fuighleach frais an fheoir bho lobhta fheoir thuathnach eigin ’sa choimhearsnachd a gheibhear airson tastan no 18 sgillinnean am buisel, agus a theannachadh le rolair cloich’ no fiodha luchdaichte. Bheir so an ath bhliadhna sgrath fheoir a dh’fhaodas aig deireadh an t-shamhraich a bhi air a ghearradh gu thioramachadh, no faodar mar dh’fheumar caoraich no laoidh ionaltradh air, air do spreidh throm a bhi gu dion air an cumail deth air eagal gu’n toll iad an talamh le’n cuideam. An deigh 2 bhliadhna fheoir, ’surrar coirc a rithist a chuir ann gun mhathachadh, agus an deigh sin bithidh an fhearuinn co’ionainn ri fearuinn sam bith ’san nabuidheachd. Ann an aiteachadh fearuinn fhasail ann an tomhas mor, bu choir a roinn ’san aireamh raointean is freagairiche do mheudachd na fearuinn a runaichear aiteach agus a reir na cuairt bharra a ’s freagairiche. Mar so ann an tuathanas 100 acair, tha an talamh aige ag iarraidh 5 iomlaid shil, agus bu choir a roinn na dheich raointean de 10 acairean an raon, air chor’s gu’m biodh 2 raon fo choirc, 2 fo eorna, 2 fo bharr gorm, agus 4 fo fheur ’us ionaltradh gach bliadhna; no ann an tuathanas ni’s lugha de 50 acair tha 4 iomlaid shil ni’s freagairiche. Bithidh 4 raointean de 12½ acair gu gle ghoireasach, a’ toirt [TD 76] [Beurla] [TD 77] gach bliadhna aon raon airson coirc, 1 airson feur, 1 airson cruithneachd, agus 1 airson barr gorm. Bu choir do na raointean uile a bhi 4 chearnach, oir fhuaireas ann an raointean ceart-oisinneach gu’n dean 5 chruinn uiread a dh’ oibir ’sa ni 6 ’nuair a tha na taobhan neo-ionainn agus na h-oisinnean mi-riaghailteach. Ma bhios uisge-eirigh ann agus gu’m bi a mhointeach os ceann 3 no 4 throidhean a dhoimhne, bithidh e feumail geinn-chlaisean a dheanamh leis an acfhuinn araidh a chleachdar airson an fheum sin, no mur urrar am faighinn, ’surrar an deanamh le gearradh clais 2 throidh adhoimhne, air do ’n uachdar a bhi air a ghearradh le spaide leathan agus a chuid a ’s ilse le spaide aimhleathan agus am fal ath-shuidheachadh air chor’s gu’m bi an leith as ilse de na chlais air a fagail fosgailte. Is furasd so a dheanamh agus mairidh e iomadh bliadhna, agus cuimhnichibh, mar is cuinge a bhios beoil nan cladhanain a dhuinear gur h-ann a ’s fearr. Ma bhios a mhointeach cho bog ’s nach gabh i gearradh gu ceart, feumaidh sibh cliathaichean a chuir ri n-’ur cladhan le maidean beaga a chuir ri gach taobh dheth agus a’ coinneachadh aig iochdar ann an cumadh V a dh’fheumas a risd a bhi air a lionadh le barrach, ni a mhaireas iomadh bliadhna. Ach thug mi gu cumanta fainear nach ’eil uisge eirigh idir cumant ann am fior mhointeach, gur ann a tha am fliucheadh gu cumanta ag eirigh bho mhi-chomhnardachd an uachdair agus bho chomas nadurach mointiche ann a ceud staid airson burn a chumail, agus ma bhios an cladhan mor aig a gharadh-dion’ domhain ga leoir agus air a chumail glan cho maith as na claisean iomair gu’m faigh ann an 2 no 3 bliadhna an talamh daingean agus tioram gun chladhanan ni’s farsuinge agus gu’n tionnd an t-uachdar grinneal no criadhaich a mhointeach gu ’bhi na talamh reamhar. Tha talamh grinneal a thaobh a chruas ni’s doiliche agus ni’s costail’ na mointeach. Feumaidh e an toiseach a bhi air a ruamhradh gu doimhne 15 eorlaich le spaide ’us mattoc, a’ cumail na seorsan uir is fearr an uachdar, ma bhios caochladh sheorsain ann, air do na clachan a bhi air an tilgeadh air a mhullach. Abhi a’ toirt ni’s lugha a dhoimhne na 15 eorlaich tha e neo-fheumail. Chunnaic mi gu tric ni’s lugha air fheuchainn, agus air lorg sin thionnd an fhearuinn a mach bochd, tana, agus fuaranach; mar so a’ tilgeadh air falbh an uile chuir-a-mach a bhuilicheadh, an fheadh a dheanadh leasachadh doimhne de 3 no 4 eorlaich an gabhail-os-laimh [TD 78] [Beurla] [TD 79] buadhach. Gu dearbh gheibh sibh gu’m bi talamh bochd eu-domhain sam bith a b’abhaist duibh aiteachadh ri fad bliadhnaichean air ath-leasachadh thar duil le a chladhach thairis agus le fuasgladh beagan eorlaich de na ghrunn chruaidh a tha fodha, agus is e so an t-aobhar; gu’m bheil uisg a’dol tre an talamh gus an ruig e an grunn cruaidh an cois an ruith e a’giulan air falbh a chuid a ’s reaimhre, agus mar a ’s doimhne a tha an co-chladhan so air a ghluasad bho n-’ur mathachadh ’s n-’ur barra is ann a ’s fearr. ’Se so an t-aobhar airson am bheil talmhainnean domhain ni’s tarbhaich’ no talamhainnean eu-domhain. Agus ma gheibhear an leabaidh chruaidh sin de’n’goirear gu cumanta aghann no cobhan aig a ghrunn tha e tur fheumail a ghearradh troimhe le ruamhradh domhain mus bi n-’ur raon air a dheanamh tarbhach. Far nach deach so a dheanamh, agus aghann fathast ann, cluinnidh sibh a ghna am fear aig am bheil e a’gearan air a dhroch bharran agus am mor fheum air a mhathachadh ni’s trice na a nabuidhean ged ma dh’fhaodte nach ’eil fios aig air an aobhar, gu’m bheil an cobhan a’ deanamh cladhan a tha a’ giulan air falbh a chuid mathaich leis na h-uile fras throm, agus nan robh e air a chladhach an aird agus air a ghearradh troimhe dh’fhaodadh e bhi cinnteach gu’m biodh e tarbhach. Gidheadh gabhaidh mi orm a radh, ged is gann a chreideas duine saothrachail bho dhuthaich Obarain m’fhacal, gar gann a tha raon ann ’ur sgire ris an deach a riamh mattoc a chleachdadh airson beagan ni’s mo de dhoimhne talmhainn a thoirt d’a ged a tha sibh a ghna a’ gearan mu a bhochdainn ’sa thanaid, cha mho gus bho chian 5 bliadhna a thiond aon tuathanach ’an Gearloch aon rod gu ceart de thalamh, an fheadh eadhon aig an la an diugh nach’eil seanar dhibh a choi’lion an oibir throm so a dheanadh deadh fhear oibrich ann an duthaich sam bith eile ann an 8 no 10 a dh’uairean, eadhon far am bheil an oibir moran ni’s doiliche. Air do’n talamh a bhi gu ceart air a ruamhradh domhain bu choir na clachan a bhi air re bliadhna gu theannachadh agus gu grodadh an fhail a thiondar fodha. Bu choir a reisd an toirt dheth. Na clachan a’s lugha gu lionadh nan cladhanan agus an fheadhainn a’s mo gu deanamh balla dion mu’n cuairt do na raointean. Ma tha cuid dhiubh ro mhor gu bhi gu furasd air an gluasad, ’surrar am briseadh na’m mirean le cladhach an toiseach mu’n cuairt doibh agus fo gu h-iomlan agus a reisd teine fhadadh air am mullach ’n uair a bhios ann gaoth gu [TD 80] [Beurla] [TD 81] leor gu thoirt air losgadh gu grad agus gu seideadh air falbh na luaithe: leis so sgainidh iad an an uin gle ghoirid agus tuitidh iad ’nam mirean,—agus bhris mis mi-fein miltean ’san doigh so air gle bheag a chost. An deigh sin faodar an fhearuinn a dheanamh na h-iomarean riaghailteach 18 throidhean a leud le claisean caola eadar gach iomair, agus anns na h-uile chuis bu choir na claisean ruith tarsuing air leathad n ’ur fearuinn air chor’s gu’m biodh aca tuiteam seimh a chud’ ’sa chuid a roghainn air an tarruing direach tarsuing no ’naird ’sa mhan, mar so a’ deanamh an t-shaothar cha’n’e ’mhain nis’ furasda ach a’ toirt air an uisg ruith dheth gun ghearradh ’sgun ghiulan air falbh na talmhainn. ’San earrach faodar a mhathachadh airson buntata re fad da bhliadhna an deigh a cheile ’nuair a dh’fhaodar measgadh de mhointeach’us aol, no gainmheach shligean, no eadhon mointeach grod leatha-fein a chuir air mar mhathachadh uachdar, agus a reisd a chuir le coirc. An ceithreamh bliadhna faodar a shuidheachadh le buntata, a risda mhathachadh, agus eorna ’us siol feoir a chuir ann an deigh sin, bithidh an talamh an ire a bhi cho maith ri seann fhearuinn sam bith. Tha deanamh chladhanan gu tarruing uisge na aon de na h-oibrichean a’s fheumail ’san tuathanas, agus tha e a ghna air a leanmhuinn leis a bhuannachd a’s mo. Ma thaisbeanas eirigh uisge ann ’ur fearuinn mar a’s cumanta feumar a tiormachadh le gearradh cladhan fodha air mheud 3 throidhean air doimhne, agus 2 throidh air leud na mullach dlu ris os ceann an ait an taisbean am fliuchadh agus a lionadh gu 20 eorlaich le clachan beage, le comhdach fraoich, coinnich no fhodair air uachdar gu cumail a mach an talamh bu choir a reisd a thilgeadh ’sa chladhan comhnard ris an raon. ’Se so an seors a’s cumanta agus a’s buana de chladhan, ach ann an talmhainnean gle bhog feumaidh sibh barrach, fraoch, no eadhon fodar ’us luachar air an cuir na’n luidhe gu’ riaghailteach air am fada a chleachdadh, agus na cliathaichean a dheanamh mar a mhinich mi airson fearuinn mhointich. Thuilleadh orra so, tha clachan criadhaich geinn-chladhanan, agus crann-chladhanan air an cleachdadh ann an iomadh duthaich do’m bheil iad gu sonruichte freagarrach, ach dhuibhse tha mion-chuntas umpa neo-fheumail. Feumar mar an ceudna toigh a ghabh ail mu’n uachdar cho maith ris an uisge a dh’eiricheas, agus tha so air a dheanamh le cladhanan fosgailte a dh’fheumas a bhi air an cumail a ghna glan agus na beoil aca air an sguradh a mach aon uair no da uair gach bliadhna. Roimh no gheamh- [TD 82] [Beurla] [TD 83] radh bu choir beagan chladhanan a ghearradh le spaide mu’n cuairt do throidh leud, agus 6 eorlaich a dhoimhne no na’s mo a reir an tomhair uisge ris am bi duil, ’us iad uile tarsuing air n-’ur raointean gu glacadh an uisge uachdair, agus iad air an treorachadh a chum cladhan mor fosgailt ann am bonn ’ur raoin le uiread de dh’aomadh sios as gu leigeadh leis an uisge ruith air falmh gu h-ealamh; agus cha’n’eil fearuinn sam bith air a meas sabhailt le deagh thuathanaich ’gan easbhuidh eadhon ann an tir thiorum. Tha iad furasd ri’n deanamh, agus ged bhiodh iad eadhon na bu chosdaile, bithidh an dragh air a lan phaidheadh anns an ath bharr: gidheadh tha e gu bunailteach air a dhearmad, agus a cha’n’eil agam-sa mi-fein os ceann leth barra coirc am bliadhna air cuid de dh’fhearuinn mhointich gu h-iomlan bho neo-churam ’san ni so air leth. Bu choir do na cladhanan so, agus gu dearbh do na h-uile chladhanan, aroan fosgailte agus cuibhrigte, uiread de dh’aomadh a bhi aca ’sa bhiodh a mhain beagan ni’s mo na gu leor gu leigeadh leis a bhurn ruith gu fursada; oir ma bhios an aomadh ro mhor gheibh am burn cho mor do neart as gu’n giulan e air falbh an talamh aig na taobhan, ni dh’fhaodas na cladhanan gu luath a thachdadh a naird gu h-iomlan. Ann an aon fhacal, tha deanamh chladhanan aroan fodha agus air uachdar de dh’fheum cho mor anns na h-uile aite ’sgum bheil esan aig am bheil uairean diomhan agus troidh de dh’fhearuinn gun ghuitearan ’na sheilbh a’toilltinn a bhi bochd agus truadh. Mathachaidhean. Ged a tha cho mor an crochadh araon air tomhas agus gne n-’ur mathach aidhean, cha’n urrainn ni sam bith a bhi ni’s meash na an riaghailt a th’agaibh an trath-s’, ma ’urrar riaghailt a radh ris. Tha ’ur n-otraichean gu cumanta air an suidheachadh direach ri beulthaobh dorais n-’ur tigh air a thogail coslach ri torr air chor’s gu’m bheil an sugh ’sa bhuige a’ ruith air falbh fhad ’sa tha salchar de na h-uile seors ri’m faicinn mu’n cuairt air a chaitheamh gun fheum, ni na’n tilgear cuideachd e a mheudaicheadh gu brigheil an dun. An ait beagan aire gach la gu meudachadh a mhathaichidh leis na h-uile mheadhon a tha ’n-’ur comas ’sann a tha dail air a chuir air gus an earrach ’nuair a tha na h-uile an cabhaig ’san troimh-’cheile a’connsachadh airson feamainn agus a’ feitheamh airson na’n reothairtean aig an dearbh am an uair bu choir n-’ur mathachadh a bhi deiseil air an spot agus ’ur siol a bhi ’san talamh. ’Se a cheud ni ma ta bu choir a bhi, aite-cumail fhaighinn airson gabhail n-’ur fuighleach de na h-uile seors, agus bu choir e bhi an ait nach cuireadh dragh air neach sam bith le ’shalchar no a bholadh, air a chladhach a mach gu [TD 84] [Beurla] [TD 85] cumail fliuch a ghna aig a ghrunn a dh’ fheumas a dheanamh na pholl le criadhach no talamh, agus lar leacain mur bi e cruaidh gu leoir gu cumail gach boinne de shugh, agus cladhan beag fosgailte mu’n cuairt do bhraigh na sluic gu cumail air ais cus de dh’ uisge uachdrach bho thighinn air. Ann an so bu choir breath de chriadhach no de mhointich no de thalamh mu 3 eorlaich dhoimhne a chuir an toiseach, a reir gne n-’ur fearuinn a bhios ri ’mhathachadh, agus os a chinn inneir an stabuill no a bhathaich, agus ris sin bu choir a chuir duilleagan seargte bho ’n lios, sgribidhean an tighe ’san rathaid, sguraidhean chladhainean, feamainn air a gearradh uir no air a tilgeadh air cladach leis gach lan mara ann an tomhasan beaga, agus luath air a losgadh air aon sam bith de n-’ur mointich dlu dhuibh, ni bhiodh do n-’ur clann na shugradh feumail an losgadh ’san tiomsachadh. Mionaichean ’ur cnaimhean eisg, uile ainmhidhean marbh, inneir chruidh ’us eich bho ’ur n-achaidhaidhean far an caillear e ’nuair a leth thioramaicheas e, agus lus buntata; bhiodh iad so uile nan leasachaidhean gle luachmhoir do ’ur n-otrach bu choir a bhi air a chuibhrigeadh thairis le breathan talmhainn bho am gu am mar dhion bho thiormachadh, agus air a chumadh air dhoigh nach fhaod an inneir idir a bhi ni’s mo na troidh os cinn an taobh a’s silse de an t-shlochd. Ma thaisbeanas am mathachadh reamhar, agus gun chus fodair ann an inneir a chruidh, cuir breathan eile mar air tus air agus thoir an aire nach ruith dad sam bith dhe’n uisge dheth gus am bi an t-iomlan gu tur air a shasuchadh. Ma ruitheas a bheag a reisd thairis, feumar a thionail ann an slochd eil air a cladhach direach ni’s ilse agus a lionadh le talamh sam bith no fuighleach gu deoghal an uisge reamhair agus tuille mathaich a chumadh; no faodar an t-uisge a thogail agus a thaomadh a rithist thairis air an otrach gu dheanamh fathast ni’s reaimhre, no faodar a ghiulan a dh’ionnsuidh an earrain a’s fhaisge dhuibh de n-’ur fearuinn agus a chrathadh gu riaghailteach thairis air, an uair a bhios an aimsir an eatorras tioram, air chor’s gum faod e ’bhi ni’s ealamh air a dheoghal. Tha na h-uile boinne dheth luachmhor mar an t-or agus cha ’n urra’ dhuibh a chleachdadh gu neo-iomchuidh, ach le leigeadh leis ruith dheth agus a bhi gu mi-fheumail air a nigheadh air falbh Anns na tuathanasan mor is fearr tha e air a ghleidheadh ann an amaran agus a reisd air a thaosgadh ’mach ann am baraillean mora uisge air an suidheachadh air cairtean agus mar so air a thoirt a chum nan raointean a’s mo aig am bheil feum air an uisgeachadh reamhair so. Ann an talamh Shuis a tha rudeigin coslach ri n-’ur duthaich fein, agus gidheadh na h-aon de na duthchan a’s fear a th’air an aiteach ’san Roinn-Europe, [TD 86] [Beurla] [TD 87] tha an t-uisge salach agus reamhair gu toigheach air a ghleidheadh ann an dabhaichean leis an tuath a ’s lugha agus air a ghiulan a chum nan duintean mathaichidh measgte no nan raointean mar a gheibh iad feumail, an fheadh ann an China tha an dearbh chobhar siabuinn a chleachdar ri bearradh na feusaig air a chuir seachad ’sair a chreic ’aig buitean nam Bearradairean mar mhathachadh. Anns an Oland mar an ceudna tha an aon doigh air a leanmhuinn, agus na’m biodh aithne agaibh air na co’fhurtan a tha luchd-aitich na fearuinn ’s na duthchan ad a’ mealtuinn, ghabhadh sibh, tha mi cinnteach, gu luath thugaibh na doighean mion ceudna air am bheil buaidh mhaith anns gach ni cho mor an crochadh. Ann an deanamh ’ur breathan mathaich measgte is coir aire a thoirt gu taghadh an leithid ’sa ’s freagairiche do n-’ur talmhainnean, agus faodaidh mi gu h-aithghearr a luaidh gu’m bheil foirfeachd fearuinn an crochadh air i ’bhi cho righinn ’s gu’n cum i sugh, agus fosgailte gu leoir gu cumail an uisge bho ghrodadh air an uachdar, ach druigheadh troimh cho mall as gu’n roinn e beathachadh do gach smuirnean de’n talamh. Se so an reuson airson am bheil an talamh laomaidh a’ dearbhadh cho tarbhach, air dha ’bhi, de chuibhrionnan chuimseach criadhail grinneal, agus mointich no ur bhrigh luibhean. Ma bhios ’ur fearuinn uime-sin laidir agus criadhail is coir dhuibh mointeach ’us grinneal no eadhon gainmheach na mara, ni a bha ’an iomadh aitean air a cho-chuir gu buadhach gu dheanamh ni bu neo-leanailtich’. Ma bhios an fhearuinn tana agus grinnealach bithidh criadhach ’us mointeach leo-fein feumail, agus ma bhios i mointeachail ’surra dhuibh araon criadhach ’us grinneal a chleachdadh gu gle bhuannachdail. Tha toirt aire do na puincean so de mhoir sta; oir le deanamh an ceart aghaidh an doigh ’tha ’n so air a mholadh, tha dolaidh air a dheanamh an ait feum, agus chunnaic mise ni’s mo na aon-uair duine dichiollach fo iongantas nach robh oidhirpean buadhach ’nuair a b’e gu soilleir easbhuidh eolais no easbhuidh aire ’san t-seadh so an t-aon aobhar faillnichidh. An uair a bheir reothairtean earraich cothrom gu faighinn pailteas feamainn, no ’n uair a gheibhear feamainn air a h-iomain a steach leis a mhuir aig ’ur cladaichean, bu choir a giulan gus an fhearuinn agus a measgadh maille ri inneir bho n ’ur lag [TD 88] [Beurla] [TD 89] otraich agus talamh ur no mointeach, agus leigeadh leo teasachadh, ach feumar aire a thoirt nach fas e ro theth,a gus ’chum sin a bhacadh feumar a dhluthachadh le shaltradh no le clachan a chuir air, agus a chuibhrigeadh le cota talmhainn bho n fhearuinn mu’n cuairt d’a,—gu dearbh bu choir na h-uile otrach a bhi air ball air an cuibhrigeadh thairis gu cumail air ais a cheo; oir cia b’e uair a chi sibh ’ur mathachadh a’ cuir cheo dheth tha e a’ call a luach, ach nam biodh talamh air a thilgeadh air uachdar dheoghaileadh e an sugh so agus dh’fhasadh e reamhar leis. Tha a bhi ruisgte do na ghaoth cho sgriosach do an inneir as nach bu choir d’ a’ an uair a ghiulanar e gus an raon, seasamh ’an sin re uair, ach e ’bhi air ball air a chuibhrigeadh agus gach boinne de’n t-sugh air a ghleidheadh bho ’chall le tiormachadh, agus tha na shileas air na raointean air an aobhar sin a’ fas neo-fheumail ann an coimeas, le nigheadh air falbh le uisg’ agus le a bhi ruisgte ris a ghrian. Bu choir eadhon an treamsgal bho na chrodh ’nuair a sheasas iad ’gam bleoghainn a thiomsachadh, agus ma bhios e ro fhad as airson a ghuilan dhachaidh gach latha ’surrar dunanan a dheanamh dheth gus an cuirear gu feum e; oir cuimhnichibh gu’m bheil gach uile ainmhidh a’ co’chuideachadh ’chum e fein a chumail a suas le deanamh mathachadh airson an ath bharr, agus cha’n’eil an t-ullachadh so le nadur gu ’bhi air ana-caitheamh. ‘Nuair a bhios n-’ur crodh ann am buailtinn, chomhairlichinn dhuibh an inneir a thionail a naird mus fas e tur thioram; oir shugh an fhearuinn mar tha gu leoir de reimhreachd re ’n am sin agus bithidh cach air ana-caitheamh. Ach tha mi gu suidhichte a’ tagair airson a bhi gu connbhaileach a’ cuir n-’ur spreidh a steach ann an tighean gach am de na bhliadhna ged nach biodh e ach gu deanamh cinnteach co’leasachaidh mathaich luachmhoir; agus na bhios mar so air fhaighinn ’san t-shamhradh bho lon uana no gorm agus an uair a bhios na h-ainmhidhean ann an deagh staid, bithidh e ni’s fearr gu mor na sin a thig bho spreidh chaol a gheamhraidh air an droch bhiadhadh mar a tha n-’ur spreidh-sa. Cha’n urra’ teagamh a bhi air a phuinc so, agus ged a tha mi cho tric a’ sparradh oirbh n-’ur bothanan-airidh a bhi air an ath’rachadh a chum deanamh an fheoir ni’s fearr mu’n cuairt doibh, bhithinn toilichte gu fhaicinn an t-iomlan de’n doigh a th’ann an trath-s’ air ath’rachadh agus n-’ur crodh air am feurach am muigh cho beag ’sa tha crodh fir-araich chruidh Lunnuinn. De na h-uile mhathachaidhean innleachdail ’se aol a’s luachmhoire, agus airson fearuinn mhointich tha e tur fheumail. Gu sealbhach tha e gu furasd’ fhaighinn an ire mhaith ann ’ur n-uile shuidheachaidhean; oir le pailteas teine airson a ghearradh ’surradh dhuibh le togail ath aoile bheag agus [TD 90] [Beurla] [TD 91] clachan aoil a ghiulan bho’n Eilean Sgiethanach no aitean eile an uair nach bi sibh air dhoigh eile air n-’ur cleachdadh a bhi agaibh, gun chuir a mach ann an airgiod, na chosdadh ann an iomadh aite tuathanais gu gle dhaor. ’Nuair a bhios n’-ur clachan aoil loisgte, cuibhrigibh iad an aird bho fhluichadh, agus na cuiribh as a cheile iad gus an cuirear air n-’ur raointean iad, an sin fasaidh iad gu luath ’nan aol a dh’fhaodas a bhi gu riaghailteach air a sgaoileadh agus air ball air a cliathadh a steach maille ris an t-siol, ach gun a bhi ro dhomhain: oir air do ’n aol aomadh nadurach a bhi aice gu dhol fodha feumar a cumail cho mor ’sa ’surrar ris an uachdar ge b’e uair a thionndar an talamh le treabhadh, a chum nach bi i air a h-adhlaiceadh ’sair a call. Faodar aol a chleachdadh gu buannachdail aig gach uile am agus airson gach uile ghne bharr. Tha i feumail mar mhathachadh agus mar dheasachadh uachdair airson fearuinnean; feoir ath-leasaichidh i gu gle mhor brigh nan luibh ’san fheoir. Feumaidh an tomhas a chleachdar gidheadh a bhi do reir naduir nan talmhainnean; oir fhad ’sa tha 80 ceithreamh no 20 bolla gach acair gu leoir airson talmhainnean gaineamhaich tha deagh sheann talamh eile ag iarraidh 100, agus talamh mointich no criadhaich 150 ceithreamh gach acair de’n tomhas uir. Tha gainmheach shligean mar an ceudna na mathachadh luachmhor, agus ann an iomadh ait ’surrar a faighinn gu pailte, ach tha a gneithean caochlaideach agus is ann le fein-fhiosrachadh cleachdail a mhain a s urrar aithneachadh. Tha i feumail anns na h-uile seors talamh, agus ’s urrar a cuir air aig na h-uile h-am de na bhliadhna, ach coslach ri aol feumar a cumail cho mor ’sa ’s urrar ris an uachdar, a chum nach teid i fodha ro dhomhain ’san talamh. Na tomhasan a dh’fheumar dhi ’siad a dha uiread ’sa dh’fheumar de aol, agus an deigh sin cha’n’eile i am fagus air a bhi cho chinnteach no cho chumhachdach ann a h-eifeachdan mar mhathachadh. Tha criadhach reamhair gu gle tharbhach mar dhe asachadh mulaich no air dhoigh eile, agus gheibhear i aig iochdar sean phuill no lochain, agus cuid a dh’aman ’an leapaichean gu maith domhain fo ’n talamh; paidhidh si a ghna, airson a cladhach, agus faodar a cleachdadh aig na h-uile h-am, agus ach beag ann an tomhas air bith. Mu na mathaichidhean innleachdail eile, agus tha iomadh dhiubh, cha labhair mise ach air cnaimhean a chionn ged is beag m’amharus nach faigh sinn, mar a theid eolas Tuathanais air aghaidh, na toraidhean is cuideamaiche bho mhathachaidhean eile na bho na tha an trath-s gu cumanta air a chleachdadh, gidheadh cha ’n aithne dhomh mathachadh sam bith a ’s urradh a bhi, ann ’ur suidheachadh-sa, cho buannachdail air a chleachdadh ri cnaimhean air am briseadh a chum sin ris an canar dus, agus a chleachdadh ann [TD 92] [Beurla] [TD 93] an tomhasan co’ ionann. Cha chomhairlichinn e ’bhi air a chleachdadh ach airson arach shneipean, a thaobh gu’m bheil agaibh caochladh mathaichidhean freagarach eile airson buntata, &c., ach airson shneipean tha e air leth luachmhor agus ni e cinnteach ban mor agus trom. Le 12 gu 15 cheithreimhean gach acair aig leth-chruin an ceithreamh, ’s urra’ dhuibh barr gasd arach; mar so, deanaibh tuill bheaga 2 eorlaich a dhoimhne, 3 eorlaich a leud, agus 6 eorlaich bho ’cheile air fada mulaich n-’ur drileichean, agus anns gach toll cuiribh mu’n cuairt de 4 unnsaichean de phronnas nan cnaimh measgte: a reisd leig 3 no 4 de shiol shneipean os a chinn agus folaich a le talamh. Gu ’bhi gu h-eifeachdach air a mhathachadh bu choir am barr shneipean so a bhi air ith dheth le caoraich, ach mur tachair sin, iarraidh an fhearuinn crathadh de mhathachadh ’nuair a chuirear e ’s an earrach, ach co dhiubh tha agaibh mar so sneipean airson ’ur cruidh, agus ’ur spreidh og, agus tha n-’ur tomhas mathaich gu mor air a mheudachadh, agus ni’s brigheil airson an ath bhliadhna. Thoiribh aire gu’n ceannaich sibh dus nan cnaimh bho fhear deiligidh measail, air eagal gu’m bi e air a mhilleadh le cailc no a shugh air a thoirt as, agus caithrisibh n-’ur sneipean oga re seal mus spion na faoileagan no na rocaisean iad a naird ann an sireadh na’n cnuimheagain a dh’fhasas leis na cnaimhean caithte. Treabhadh. Air sgath leigeadh le ’ur spreidh teirc de ghreimean gann a spionadh re a gheamhraidh, tha n-’ur as-bhuain gu cumanta air am fagail gun tionndadh gus an earrach, ni a tha gu tur an aghaidh steidhean suidhicht’ na tuathanais. Cha’n’eil ni sam bith a’ deanamh tarbhach fearuinn ni’s mo na a tha ’bhi ’ga fosgladh ris a ghrian ’us ris a ghaoth, agus tha eifeachd iongantach feumail aig an reothadh gu cuir an talmhainn as a cheile. Cho luath uime-sin ’sa bhios ’ur n-arbhar air a ghiulan dhachaidh, bu choir dhuibh ’ur spreidh uile a chuir gun dail gu ionaltradh air an as-bhuain cho dlu ’sa ’s urra’ dhuibh gus am bi an luibheanach air a caitheamh, ’sa reisd bu choir an talamh a bhi air ball air a thionndadh thairis gu ullachadh airson barr uaine. Ma nithear leis an spaide e, agus ma bhios e gle ghlan, ni bu choir do na h-uile fearuinn ruamhairte a bhi le aire riaghailteach, bu choir a mhathachadh [TD 94] [Beurla] [TD 95] aig an am cheudna gu bhi ullamh airson buntata ’chuir ann ’san earrach, agus mar so bhiodh moran saothair air a chaomhnadh; agus ged a dh’fhaodas treabhadh a bhi n’is lugha cosdais na ruamhradh air thuathnais mhora; ’se ruamhradh moran a’s tarbhaiche, agus fhuair iomadh de na tuathanaich a’s fearr an Loudaidh ’s an Sasuinn bho chian ghoirid gu’n robh, le ruamhradh an ait treabhadh an cuid raointean, (agus mar so a bhi a tionndadh ’naird talamh uir) an leasachadh cosdais air a phaidheadh le leasachadh toraidh. Ach a mhain air tuathanais mhora, ma ta, ’si an spaide anns na h-uile seadh a’s fearr na an crann, ach an doigh ’san am so air sgriobadh no riachadh ’ur fearuinn leis a chas-chrom, bu choir cuir as da gu tur; oir ged a dh’fhaodas sibh ni’s mo de dh’uachdar ea-domhain a thionndadh thairis leatha na leis an spaide, cha’n’eil i ’dol gu ’leithid a dhoimhne ’san talamh as gu fhuasgladh gu leoir gu leigeadh le freumhan na’n caochladh bharrain sireadh airson arach, no beathachadh. Le tionndadh a ghrunna thairis gu aon taobh a mhain tha e a’ togail na’n iomairean gu neo-ionainne, agus an fheadh a tha aig aon leth ni’s mo dhoimhne na a tha feumail, tha an leth eile air a chreachadh gus am fas e ach beag neo-tharbhach. Ma gheibh sibh e do-dheanta ’ur fearuinn uile a ruamhradh gu ceart, feumaidh sibh aig aman a dhol an uidheam cobhair an eich; ach tha mi ’gradh a rithist gu’m bheil n-’ur sean inneal gu tur neo-fhreagarach airson aiteach ’ur fearuinn gu ceart. Tha a dearbh ainm, cas-chrom, a’ ciallachadh droch chumadh, agu cha bu choir ach a mhain a gleidheadh mar chuspar iongantais airson ’ur n-iarmaid, bho nach ’eil i ach na fuighleach de na bhorbachd sin a tha, mar as ait leam a smuaineachadh, gu teann a’ dol as an t-sealladh. Ciod air bith doigh ’sam bheil n-’ur fearuinn air a saothrachdh, biodh ’ur n-iomairean air an cumadh mu 16 throidhean ’an leud cho direach ’sa ’s urrainn duibh, air an togail beagan na ’m meadhon gu leigeadh leis an uisge ruith dhiubh. Ma bhios an crann air a chleachdadh, bu choir an sgroth a bhi air a thionndadh thairis air chor ’s gu’m bi i coslach ris an litir V, agus mar as comhnard a bhios i air a leigeadh ’s ann a’s lugha cunnard an t-sil a bhi a ira chall le rusgadh ris a ghaoth, no le bhi ro-dhomhan air fholach. Biodh beartan ’ur crainn a’ ruith ann an streath dhireach bho na bhraid gus a bhus, air chor ’s gu’m bi an tarruing air an each comhnard, agus treabhaibh ’ur fearuinn airson barran gorm cho domhain ’sa ’s urrainn sibh a chum gu’m bi talamh uir air a leigeadh ris agus an fhearuinn air a doimhneachadh. [TD 96] [Beurla] [TD 97] Feumaidh na drileachan airson buntata no sneapan a bhi bho oisinn gu oisinn no fiar troimh ’ur raon, ach gun a bhi cus, ach air dhoigh, an uair a threabhar a risd e ’san doigh chumanta airson eorna gu’m faod am mathachadh a bhi air a sgaoileadh gu co’ ionann air feadh an raoin, agus gun taisbeanadh anns na sreathan ’san robh e an uiridh. A’ fagail ceann-mhag a ghna mu’n cuairt do ’ur raon, treabhaibh e cho seolta ’sa ’surrainn sibh, agus a’ leantuinn cairean air bith a tha feumail a thaobh suidheachaidh an fhearainn Na biodh oirean air bith aig na taobhan air am fagail gun bhuntainn riu, mar ait-altruim airson fathluibhean; oir ge-air-bith cho caireach ’sa dh’fhaodas ’ur ceann-mhag a bhi, ma bhios cach direach, seilbhichidh ’ur raointean a ghna taisbeanadh grinn sgileil; agus mur urrain an crann oibreachadh ’sna h-oisinnean, biodh iad air an tionndaidh ’naird leis an spaide. Cuir-shil, ged tha e gu cumanta air a dheanamh le thilgeadh sgaoilt’ faodar, tha mi cinnt, a dheanamh ni’s buannachdaile le driligeadh, gu h-araidh ann ’ur cor-sa far am bheil, ann an coimeas, saothar air bheag mheas; oir tha caomhnadh sil ni’s mo na a’ paigheadh an leasachaidh saothair, agus mar so tha sibh air n-’ur paigheadh airson ’ur saothair. Faodaidh boirionnaich ’us clann a bhi gu buannachdail air an cleachdadh ann a leithid a dh-oibir eutrom, agus ’se na h-uile a dh’fheumas sibh inneal coslach ri racan le a laimh a mhain mu 4 agus a cheann 3 throidhean a dh-fhada le fiaclan laidir garbh, 3 eorlaich a dha-fhada agus I eorlaich a thiuighead, air an suidheachadh, mar anns an dealbh, 4 eorlach bho a cheile. Dhuibh faodaidh so taisbeanadh ro fhada bho a cheile, air dhuibh a bhi a riamh cleachdte ri cuir tiugh, agus gidheadh rinn tuathanach ’an Susecs bho chian ghoirid cunntas a chraobh-sgaoileadh gu’n robh aige, le cuir air an doigh so fada troidh bho ’cheile, an cuigeadh earainn ni’s mo de bharr no le tilgeadh sgaoilt’ a thuilleadh air cothrom sgriobaidh eadar na planntanan agus sgriosaidh air na fath-luibhean, air chor ’s gu tearnadh leth na dragh’ an athbhliadhna ann an treabhadh. Le cuir a chois air an inneal so agus a theannachadh ’san talamh ruaimhraite no threabhte ann an sreathan riaghailteach tarsuing air na h-iomraichean tha tuill bheaga air an deanamh anns am faod clann 2 no 4 ghrainneagan sil a chuir anns gach aon diubh, agus bithidh an toradh gu lan ni’s mo na far an robh a dha uiread air a sgiotadh le thilgeadh sgaoilt. Faodar na tuill a lionadh naird le cliathadh, roladh, no doigh air bith eile [TD 98] [Beurla] [TD 99] a gheibhear goireasach, ach mo bhios an talamh eatrom, ’se roladh a’s buannachdaile (a thaobh gu’n dean e ni’s teannd e agus gu’n sgrios e aig an am cheudna biasdan) Maille ribhse tha claon-bhreith laidir an aghaidh cuir luathrach, a chionn gu’m bheil an tomad gu minig ni’s neo-thomadaiche na an uair a chuirear ni’s an-moiche; ach iarram oirbh sealltuinn mu’n cuairt duibh agus breithnichibh air n-’ur son fein bho chleachdadh na’m muinntireach ud, an dara cuid an so no an earrainnean eile ’sa choimhearsnachd a’s buadhaiche. Air mo shon fein thug mi an aire gu’m bheil an tuathnach a tha mall ’na oibre: a chuireas anamoch agus air lorg sin a bhuaineas anamoch, a ghna bochd, agus gu ro thrice ’briseadh, an fheadh nach fhaigh mi comharradh a ’s fearr air soirbheachadh na faicinn gach uile sheors shaothair rudeigin air thoiseach air a chleachdadh chumanta. Agus eadhon ’san Spainn a tha uailleach airson a briadhachd ’sa’ mealtuinn cothrom blaths na greine, chunnaic mi an tuathnach bochd a’ seargadh as le uireasbhuidh agus lunadaireachd an fheadh ’sa bha an t-arbhar ruisgte gun ghearradh do stoirmean a gheamhraidh air lorg cuir anamoch. Gu dearbh ’se a th’agaibhse ’san amharc a thaobh gach seors arbhair, a chuideam a’s mo de shiol a thoirt a mach airson nan tomhasan a chuireadh, agus ma ’se fodar airson ’ur spreidh an ni a’s mo a tha ’dhi oirbh, bu choir feur agus sneapan a bhi an ait arbhair eile agus ni’s pailte air an arach. Tha fheum fein anns gach seors, agus cha ’n urradh sibhse ’bhi’n duil buaidhean mhaith nan uile a chuir ann an aon air bith an aon uair. Cha ’n urra’ sibh dochas a bhi agaibh airson arbhar tarbhach, ma mheoraicheas sibh gu faighinn ni’s mo thomad na ’s gnathaicht’ de dh’fhodair agus mur bi fas arbhair buannachdail, bu choir ’ur n-aire a bhi air a tionndadh gu meudachadh nam barrain uaine, agus feur-saidhe le cuir clobhar no searmag, no le deasachadh sean fhearuinn feoir le mathachadh gu meudachadh an toraidh, air chor ’s gu’n ruig sibh air tomhas eigin a dh’iomlanachd anns gach seors, agus cha’n urra sibh uime-sin cuir ro luath ma bhitheas an aimsir fabharach. Ann am barradh n-’ur fearuinn, bu choir a chuairt a bhi sin de’n goirear gu cumanta atharrachadh 5 bliadhna: ’Se sin, a cheud bhliadhna buntata no sneapan mathaichte,—an dara eorna agus siol feoir—an tri-amh, feur saidhe,— an ceithreamh fo ionaltradh,—agus an cuigeadh, corc, gun da bharr geal an deigh a cheile a thoirt as ma ’s urrar idir a sheachnadh; oir feumaidh sibh a chuimhneachadh gu’n dean sibh, le deanamh an talamh bochd, call dhuibh fein (agus tha [TD 100] [Beurla] [TD 101] agam ughdarras tuathanach soirbheachail airson a radh gu’m bheil aige ni’s mo de mhin bho aon bharr coirc an deigh deagh bharr searmaig na b’ aibhist do athar a bhi aige bho na tri bharran air na h-iomairean a’s fearr de’n fhearuinn.) Gheibhear gur i a chuairt ad, gu labhairt gu cumanta, a’s buannachdaile; ach tha cuisean fo ’m faodar imeachd uaithe. Foadaidh da bharr coirc a bhi sabhailt ma bhios a cheud bharr ro bheartach, no eorna an deigh coirc ma bhios an talamh glan agus proinnte gu maith, agus cradhadh de mhathachadh a thoirt d’a. Ach mar riaghailt choitchionn bu choir corc leantuinn an deigh feur;—buntata no sneapan an deigh corc;—agus eorna maille ri siol feoir an deigh barr uaine. An deigh sin, bu choir an talamh luidh 2 no 3 bliadhna ban a risd roimh a bhriseadh ’naird airson corc. An aite so ’sann a tha sibhse ’toirt a luths as ’ur talamh le barran geal an deigh a cheile gus an deanar lag e, no ach beag neo-tharbhach, an uair ged ’mhathaichear e nach toir e ach barr gann, no leigear leis neart a ghlacadh le foil bheagan bhliadhnaichean fo ionaltradh garbh agus nadurach, agus air larg sin, an uair a bhrisear a risd a naird e feumaidh gur bochd agus salach am barr a bheir e. An aghaidh sin, bu choir n-ur fearuinn a bhi an comhnuidh air a cumail ann an deagh chridhe, agus an sin faodaidh sibh a bhi cinnteach as nach h-e ’mhain gu’m bi sibh air n-’ur duaiseachadh le pailteas ’ur barra agus cuideam ’ur toraidh, ach le mor chaomhnaidh saothair. An seors coirc a’s fearr airson ’ur fearuinn-sa ’se coirc luathrach Aonghais, agus faodaidh sibh toiseachadh ri cuir mu dheireadh ceud mhios an Earraich. Tha corc a bhuntata anns an ait fhosgailte agaibhse ro ullamh gu crathadh, ach cha’n’eil corc Hopeton mar sin, agus faodar fheuchain. Tha’n corc odhar fos na shiol maith, ach tha na h-uile sheors ag iarraidh tric chaochladh sil, agus biodh na ghleidhear airson cuir, saor bho mheasgadh de sheorsain eile coirc, cho maith ’sair a ghlanadh gu toigheach bho eorn’ agus mean shil. Ma bheir sibh aire do chorc fiadhaich a’ fas ann ’ur raointean, spionaibh e mus abuich e; oir crathaidh e a shiol fein, agus a reisd is gann a’s urrar cuir as d’a; agus cuimhnichibh gu’n robh e air a dhearbhadh gu tric gur e corc air a ghearradh roimh e bhi marbh abuich a’s mo a bheir a mach de mhin aig a mhuileann, an fheadh a tha call bho chrathadh air a sheachnadh. [TD 102] [Beurla] [TD 103] Eorna, air dha ’bhi na ghrainne anmhuinn cha choir a chuir gus am bi duil ri aimsir bhlath, ach tha air a shaoilsinn gur e an t-eorna mor a’s fearr a fhreagaras do ’n ait agaibhse, agus gu cinnteach is luachmhoire an grainn e a thaobh ’bhi toirt a mach gu mor, ach tha an tomhas a dh-uisge beatha bho’n eorna bheag ni’s mo na bho ’n eorna mhor, agus a thaobh gu’m bheil a cheud seors dhiubh so a’ faighinn creic ni’s ullamh aig feilltean bhithinn subhach na’n robh e ni’s pailte air arach anns gach ait an urrar. Sneapan, ma runaichear iad airson an tasgaidh, mar a dh’fheumadh sibhse, agus mar an ceudna far nach ’eil garadh dion mu’n fhearuinn, bu choir an cuir, aig a chuid a’s lugha, seachduin ni’s luaithe na ’s abhaist, ’se sin mu mheadhon an t-shamhraidh, agus a ghna de dha sheors; an seors mor geal, agus seors buidhe Obarean: an seors mu dheireadh seachduin roimh an t-seors eile, agus ma spionar iad aig deireadh an fhoghair no an toiseach a gheamhraidh, na duilleagan ’s na freumhan a ghearradh dhiubh, agus an carnadh anaird ri aghaidh balladh, agus an cuibhrigeadh le beagan fodair, fraoich, no talmhainn, gleidhidh iad le toigh gus an Earrach, agus dearbhaidh iad gle luachmhor do stoc og no chrodh uir an deigh laoigh a bhreith. Air do na sneapan geala bhi mor agus air cuir a mach, an caitheamh air tus,—agus na di-chuimhnichibh gu’m bheil n-’ur barr an crochadh gu h-iomlan air an fhearuinn a bhi eutrom ’us tioram le drainearan, am mathachadh a bhi reamhar agus min le ’bhi tric air a thionndadh thairis leis an spaide. Ma shineas na sneapan nach ’eil air an tasgaidh ri fas an deireadh a Gheamhraidh, no ’n toiseach an Earraich, spionaibh iad a naird air ball leis na freumhan, air neo cha’n’e ’mhain gu’m fas iad neo fheumail airson ’ur spreidh, ach ni iad bochd ’ur talamh le ruith gu siol. Buntata.—Cha’n urrar buntata a shuidheachadh ro luath, ma bhios an reothadh thairis, ma’s maith le daoine iad a bhi maith agus mineil. Cinnichidh iad, tha fhios agaibh, an ire mhaith ann an talamh air bith, ma dh’aitichear gu ceart e, ach tha gach ni an earbs ri iad a bhi air an cumail glan, air iad a bhi neo dhlu’, agus air uachdar an talmhainn a bhi min le sgrioban. Cha’n urrar sealltuinn airson barr trom ma bhios iad air an cuir ni’s dluith na 10 eorlaich agus mur bi aig na freumhan cuibhrigeadh tiugh de thalamh fuasgailt. Cha d’fhuaireas fathast a mach leigheas cinnteach airson an t-sil a bhi a’ grodadh ’san talamh, ach thainig iomadh deagh thoradh bho shuidheachadh buntata beag slan agus bho shuidheachadh [TD 104] [Beurla] [TD 105] nam bachlaigean an uair a spionar iad dheth an t-sean bhuntata a thoisich a cheana ri cuir a mach ’san toll no ’san t-sabhal. Thug na bachlaigean so air an spionadh gu toigheach, ’sair an suidheachadh, a mach cho pailt ris na sgoilteanan no ris na suilean air an cladhach asda airson an suidheachadh, an fheadh a bha am buntata air an gleidheadh airson spreidh no mucain, agus tha mor chaomhnadh leis an doigh so. Theagamh gur e an doigh a’s fearr am buntata beag a chuir air leth aig am an togail ’san fhoghair, agus an cuir ann an tuill bheaga leo-fein, ullamh gu’n cuir a mach ’san earrach gun na bachlaigean a bhriseadh. Maille ris a bhuntata mar mailleri seorsan eile barra tha moran an earbsa air caochladh an t-sil gu minig, agus tha air a thoirt fainear gu’m bheil buntata bho thalamh fuar fliuch agus mointich a’ freagairt mar shiol ni’s fearr na ’nuair a dh’fhas iad ann an talamh ni’s eutroma agus ni’s grinne. Gu dearbh tha an aon riaghailt a’ cumail a thaobh gach seors sil, gur coir an caochladh gach dara’ no tri-amh bliadhna, aig a chuid a’s lugha, mur deanar e ni’s trice. Ma bhios ’ur talamh eutrom ceannaichibh siol a dh’fhas ann an talamh a’s treise, agus an ceart aghaidh sin ma bhios ’ur talamh trom. Ann am bruidhinn mu ghrodadh a bhuntata an uair a shuidhichear iad agus eadhon an uair ’bhios iad ’san toll, ni a tha a’ tachairt cuid a dh’aman, bheirinn fainear, a thaobh ma dh’fhagar buntata ’san talamh an deigh dha fas, cha’n fhaighear idir e air dol aog, bu choir dhuinn ionnsachadh, bho ’n leason so air a theagasg le nadur, gun iad a thasgaidh ann an saibhlean no an tional na’n dunan mora, ach tuill fhada chaol a dheanamh agus a mhain am folach air chor ’s an dion bho reothadh. Bu choir gu sonruichte an aire ’thoirt do’n so a thaobh an fheoghainn a runaichear airson siol no gleidheadh fada. Seamrag.—Tha ’n t-seamrag na bhar gle luachmhoir agus fheumail do gach uile dheagh thuathanach cho maith do’n duine bhochd. Cha choir do aon sam bith aig am bhei’l bo agus achdar fhearuinn a bhi gun chaob beag sheamraig; oir le deagh aiteach bheir e dha cuid ri ghearradh na h-uile la bho mheadhon ceud mhios an t-samhraidh gu deireadh an fhogharaidh. Meudaichidh e gu mor an tomad bainne; cuiridh e ri tomhas agus gne no buaidh a mhathaichidh ma dh’ithear e an taobh a steach de dhorsain; no ma dhionar e mar fheur-saidhe, gheibhear e ni’s beathachail’ na sin a rinneadh bho fheur nadurach nan lon. Tha e cinneachadh ni’s fearr ’nuair a chuirear e maille ri eorna, ach freagairidh e maille ri coirc mar an ceudna; agus cha mhor cron a nithear air le ionaltradh chaoraich no spreidh bheag re aimsir thioram ’sa gheamhradh mur bi an fhearuinn gle fhliuch. Ma runaichear airson feur saidhe e, bu choir a ghearradh ge b’e uair a thig e fo bhlath, gu chumail bho ’luths a thoirt as an talamh agus gu deagh ath-bhar a dheanamh cinnteach a [TD 106] [Beurla] [TD 107] tha an ire ’bhi cho luachmhoir ri feur saidhe a thaobh gu’m faodar a ghearradh a ris ’san fhohair araon airson spreidh agus eich. Ma bhitheas am feursaidhe air a mhilleadh le uisge, bu choir duibh saluinn a sgiteadh air ’nuair a chruaichear e le mu’n cuairt de pheic saluinn airson gach tunna fheoir, ni a ni e gu mor ni’s beathachaile airson spreidh, ach tha moran de a bhuaidh an crochadh air an doigh an dionar e. Faodar a ghearradh ’nuair a bhitheas e fliuch, ach cha choir idir a ghluasad bho ’n rolag ach ann an aimsir thioram an uair bu choir gu tric a thiondadh agus dunanan beaga dheanamh dheth cho luath ’sa ’s urrar agus na dunan so a chuir na’n dunan ni’s mo a rithist mus dean sibh ’ur cruaich fheoir. Tha rusgadh do ghrian ’us ghaoth ni’s mo na tha tur fheumail airson a thiormachadh a’ toirt a bhrigh as an fheur agus g’a mhilleadh, agus mar is uana an dath ’sann is fearr a bhuaidh. Ann an Sasuinn far am bheil am feur-saidhe a ’s fearr air a dheanamh, tha e a ghna air a theasachadh ’sa chruaich ni a tha a’ toirt mor leasachaidh milseachd agus beathachaidh dh’a, agus cha choir duibhse idir so a dhearmad, ach feumaidh an teas eirigh bho shugh an fheoir fein (gun a bhi air a thur thiormachadh ’naird le cus rusgaidh do ghrian ’us ghaoth) agus cha’n ann bho thungaidheachd aimsir uisgeach a tha a ghna calldach. Bitheadh ’ur darra barr feoir air a ghearradh ’sair a thoirt gu ith aig an dachaidh; cha choir duilleag dheth ith air an raon, a ’s urrar a ghearradh ’sa ghiulan a dh’ionnsuidh ’ur stabuil no bathaich; oir tha biadhadh aig an dachaidh ni’s roghnaichte leis na h-uile bharrain far an urrar a dheanamh na a muigh, ach a bhi ’g ionaltradh air seamrag tha e na thur ana-caitheamh agus brosnachail. Ach feumar an t-seamrag a thoirt ann an tomhasan beaga ’an aon am, agus beagan a dh’uairean an deigh a gearraidh a chum gu’n teich a ghaoth as na cuiseagean, air neo bithidh ’ur spreidh ’an cunnart sgaineadh. Tha Peasair ’us Ponair mi fhreagarach do’r n’-aitsa a thaobh doilcheadais an tiormachadh, agus bhiodh cruithneachd neo-chinnteach a thaobh an uisge aig am dh’a ’bhi fo bhlath, ach cha ’n ’eil mi a faicinn reuson airson each fheudadh corcach ’us lion a bhi air an arach ann an tomhasan beaga airson ’ur feum fein, agus chomhairlichinn dhuibh am feuchainn le ’cheile, ach gu h-araidh lion. Tha Luibhnich ro aithnichte mar mhallachd an tuathnaich gu iarraidh mise do sparradh oirbh an curam a dh’fheumar airson ’ur fearuinn a chumail saor bho an toraidhean plaigheil. Tha iad dhe iomadh seors, ach gu labhairt gu cumanta faodar [TD 108] [Beurla] [TD 109] an toirt fainear fo dha roinn, bliadhnaichean agus iomadh-bhliadhnaichean. Cha mhair a cheud seors ach aon bhliadhna, agus tha iad gu furasda air an sgrios le tionndadh an talmhainn, ’us fhagail ban, agus le sgriobadh ’ur barra ’san t-samhradh; le toigh a thoirt nach cuir sibh dail air ’ur n-oibhreachaidhean cho fada ’sgu leigeadh leo an ros a thilgeadh no eadhon ruith fo bhlath ni a bhochdaicheas ’ur fearuinn. Tha Iomadh-bhliadhnaichean ni’s doilbh a chuir as, oir cha leoir an gearradh mar a thaisbeanas iad iad-fein os-cionn na talmhainn. Cha dean ach an fhearuinn a leagadh ban, treabhaidhean trice, agus an spionadh as leis an laimh, cuir as doibh gu h-iomlan. Bithidh cluaireanan air an lagachadh agus fadheoidh air an sgrios le’n gearradh thairis mu 3 eorlaich os cionn a ghrunna 3 no 4 uairean ’sa bhliadhna ma chuireas iad a mach cho trice, agus is fearr eadhon beagan arbhair a mhilleadh le cuir cloinn a steach air fheadh gu’n gearradh na am fagail gu buannachd neart le leigeadh leo fas re fad na bliadhna, no gu tilgeadh an rois. Tha Ranach mar an ceudna air a sgrios le a bhuain trice, gu h-araidh ma nithear e gu trathail ’sa bhliadhna mus tig iad a chum lan dhuilleig; ach air cuid de mhirean neo-fheumail de ghrunn, faodar leigeadh leo fas airson an giulain dhachaidh ur airson leabaidhean do chrodh ’us eich no air an tiormachadh a chum an aobhair cheudna ’sa gheamhradh; agus so chomhairlichinn a dheanamh anns gach ait an tairear, a thaobh gu’m bheil an ranach cha’n’e ’mhain fenmail airson fodar ach tha e na mhathachadh laidir. Ach anns na h-uile ait ’sam bheil e rochosdail a thoirt dhachaidh, no far am folaich e cus de ionaltradh luachmhoir bu choir a ghearradh thairis agus a sgriosadh, agus aig gach buachaill chruidh no chaorach bu choir coran geur a bhi ceangailte air ceann a bhata leis am faodhadh e ann a uairean diomhan a bhi gu feumail air a chleachdadh ann an gearradh ranaich, oir is eol domhsa iomadh cnoc feoir far am bheil am feur a’s fearr air fholach agus uime sin air a mhilleadh le ranach tiugh gun fheum. Na’m b’urrar a thoirt air a bhuachaill a tha gu nadurach leisg, an ranach, an deigh a ghearradh, a thionail a ’naird agus a chuir gu tiugh air a ghrunn aimrite fhraoicheil dlu dha, air chinn an ath-bhliadhna mharbhadh e am fraoch agus dheanadh e gu h-iongantach an t-ionaltradh ni’s fearr, mar so a’ faighinn buannachd dhubailte. Feumar copagan a chladhach a mach le spaide fhada aimhleathan dha-cheannach (faic an dealbh) agus leis an inneal sin a chleachdadh re uair no ’dha gach la de mhios dheireanach an t-samhraidh agus de cheud mhios an fhoghair, mus tig iad fo ros, chuireadh sibh ann an 2 no 3 bhliadhnaichean as do na [TD 110] [Beurla] [TD 111] h-uile copag a th’air n-’ur fearuinn. Is da-bhliadhnach an Lus-buidhe agus is urrar cuir as da le a mhain ’ghearradh thairis direach mus tig e fo bhlath, ach ma leigear le aon cheann deth siol a chuir, cuiridh e raon iomlan. Cha’n’ urrar cuir as do ’n lus-shnaimeach ach le a spionadh leis an laimh, agus eadhon an deigh a chliathaidh mu dheireadh an deigh siol a chuir; no an deigh na drileachan bhuntata no shneip a chumadh, bu choir do chlann a dhol thairis air a ghrunn le bascaidean agus na criomagan a’s lugha a thionail a ’naird a dh’fhaodadh a bhi air fhagail aig a roimh-ghlanadh. Tha ’n carran ged is bliadhnach e, na luibh gle mhillteach dhuibh-se, agus millidh e gu tur an t-sheamrag og le ’thachdadh ’nuair a bhios na planntanan maoth, gidheadh cha dhean an talamh a leagadh ban, a ghna cuir as da, agus chunnaic mise a leithid sin air a leantuinn an ath-bhliadha le barr tiugh de charran. ’Sann amhain le aol agus fois re da bhliadhna fo fheur a gheibhear saor uaithe, a’ toirt aire nach oibrichear an talamh le cus treabhaidh ’us cliathaidh airson ’ur barr, ach a roghain air sin spionadh leis na lamhan, agus sgribeadh le h-obh. Tha na doighean ceudna a’ freagairt airson cuir as do na Chearbanach ’sa thug mi airson an Luis-shnaimeach. ’Se ’n spionadh leis an laimh an t-aon mheadhon; agus cha choir a chriomag a’s lugha fhagail; oir ann an aon bhliadhna fasaidh e laidir agus tachdaidh e ’ur barr, a thuille’ air a dheanamh da chuairt ni’s doilich a ghlanadh an ath bhliadhna. Gu dearbh cha’n’e ’mhain gu’m bu choir duibh aire a thoirt do ghlanadh ’ur fearuinn aitichte, ach ’ur n-aitean ionaltraidh a ghlanadh cuideachd bho luibhean millteach; oir tha an ros aca air a ghiulan leis gach osag ghaoith a chum ’ur raointean agus mar sin a’ deanamh ’ur saothar ach beag neo-fheumail mur gearr sibh aig a chuid a’s lugha thairis na Cluaireanan, na Copagan, agus an Lus-buidhe ann ’ur coimhearsnachd cho luath ’sa thig iad fo bhlath. Le gart-ghlanadh toigheach cha’n’e ’mhain gu’n cuir sibh air adhart fas n-’ur barra a bhliadhna sin, ach ullaichidh sibh deagh mhathachadh airson bliadhnaichean an deigh sin; oir le luibhean grod a mhain air an cleachdadh mar mhathachadh dh’araich mise sneapan ni bu bhriagha na le inneir stabuil no dus chnaimh. Tionailibh ’ur luibhean uile ’nan dun leis-fein, agus cho luath ’sa thoisicheas iad ri cuir a mach no ri fas, tionndaibh iad thairis a’ cuir na bha air an taobh muigh fodha, ath-dheanaibh so gus an grod iad agus an teid iad as a cheile a chum a bhi na’n talamh min, ni a dh’fheudar a chleachdadh airson sneapan no ann ’ur lios mar am mathachadh a’s fearr, Ma bhitheas cuid air bith gun chuir as a cheile le grodadh gleidhear e ’us cuirear e ri dun an ath-bhliadhna; ach bu choir duibh a theagasg do n-’ur clann bheaga gun idir a dhol a seachad air luibh gun fheuchainn ri [TD 112] [Beurla] [TD 113] ’spionadh an aird agus a ghiulan a chum an duin, agus bithidh iad gu luath cho toilichte ann a bhi mar so gu feumail air an cleachdadh ’sa bha iad a roimhe ann an diomhanas no ’an lochd. Garaidhean-dion.—Tha ’bhi a’ falbh air an fhearuinn ann an aimsir fhliuch le spreidh gle challdach; tha gach lorg cois a’ deanamh lochan airson cumail uisge, agus a’ toirt a bhrigh as an talamh, no ’ga mhilleadh. A chum so a bhacadh bu choir duibh ’ur garaidhean a bhi a ghna air an cumail air an deagh charaimh; oir cha’n eol domh dearbhachd a’s cinntiche air cinneachadh na ’bhi a’ toirt aire do na bearnan a bhi gu grinn air an caramh, an fheadh air dhoibh a bhi amhain air an leth-charamh no air an duineadh ’naird leis a chrann no leis na cliathan gur aobhar amharuis e air briseadh. Ni siol a chonaisg air a chuir air mullach gharaidhean fail deagh dhion agus fasaidh e ni’s fearr ma bhios beagan criadh-ghainmh air a mheasgadh maille ris an fhal an uair a chuirear an siol. Tha conasg gu cinnteach dhe taisbeanadh neo-chomhnard agus neo-chuimir ma dhearmaidear e, ach faodar a ghearradh agus a chumail cho cuimir ri callaid chuilinn agus le aon mhaide rail air puist 2 throidh a dh’arda agus air an suidheachadh ’am measg a chonaisg air mullach na dige, tha deagh gharadh dion air a chumadh, an fheadh a bhios na meanganan oga air an gearradh ’sair am pronnadh min no air am bruthadh leis an t-suist gle fheumail mar lon de’n bhrigh a’s fearr airson eich, crodh no caoraich, agus is urrar an siol a thionail gu furasda le clann, no cheannach airson tastan am pund. Tha Callaidean dhroighinn gu cinnteach ni’s fearr, ach tha iad gle chosdail agus feumaidh iad mor thoigh aig an toiseach, agus ma bhios clochan pailte ’siad a ’s lugha dragh agus a ’s eifeachdaiche de na h-uile callaid. Tha iomadh a’ cuir an aghaidh a bhi a’ suidheachadh chraobhain ann an callaidean a thaobh a bhi ’gam milleadh le an sgail agus mar a bhi calldach do na bharr air gach taobh de na challaid; is fior, gidheadh tha iad nam fasgadh mor bho ghaoth, agus ann an aimsir theth na’n dion airson spreidh gu seasamh fodh’ ’nuair a chuirear dragh orra le cuileagan. Misnicheadh n-’ur maighistir fearuinn ’ur deigh air feabhaschadh, le suidheachadh belt leathain de choille far am fosgailte sibh do na ghaoth, agus na deanaibh talach air ’bhi a’ dion craobhain sam bith a thairgeas ’ur mhaighstir dhuibh. Cha bu choir tigh a bhi gun chraobhan mu’n cuairt d’a airson fasgadh, agus bu choir iad a bhi air an suidheachadh ann an oisinnean ’ur raointean mur toil leibh iad a bhi ’an streath challaid, an fheadh a ta iad air leth feumail mar fhasgadh air taobhan tuath ’ur lis ’us mheas lis. [TD 114] [Beurla] [TD 115] ’Siad Seileach, Plane, Leamhan, agus Uinnseann, na seorsan a’s fearr gu’n suidheachadh. Tha iad gu furasd’ air an dion bho spreidh le cuir clochan dlu ri am bun agus le ceangal droighean mu’n cuairt do’n stuic. Agus amhain smuainichibh air a cho’fhurt a bheir iad do ’n dachaidh ghraidh! Agus mar a thuirt Morair Logain, bithidh iad eadhon a’ fas ’nuair a bhios sibhse ’n-’ur cadal, agus tha ’n cinneachadh an earbsa’ ri beagan curam ’us aire gun tastain a chuir a mach. Uisgeachadh, seors de thuathanas a tha gu mor air a chleachdadh ann an Sutserland agus ’an duth’chan eile gu buadhach, agus tha mise a’ smuaineachadh bu choir duibhse anns gach ait a thoirt a steach; ’se sin sruthan uisge a thoirt aig aman air leth air chor’s gu’m folaich e an t-iomlan de uachdar ’ur fearuinn agus leis sin a tarbhachd a mheudachadh. Dh’fhaodadh moran de ’r talamh bochd-sa a bhi leis an doigh so air a leasachadh ’san tomhas a’s airde, agus dh’fhaodadh sibh an t-uisg’ gun fheum a tharruing bho ’r n-iadhlainnean ann an cladhanan beaga riaghailteach air dhoigh’s gu’n cuibhrigeadh e moran de’n uachdar. Anns na cnuic aimrid faodaidh moran a bhi air a dheanamh ’san doigh so, agus dh’fhaodadh mirean de’n talamh a tha an tras ban a bhi air a chuibhrigeadh le deagh luibheanach. Taghaibh spot fhreagarach airson treorachadh uisge shruthanain beaga no earrainn de dh’allt bho a chladhan cleachdail. No duinibh a naird an struth air chor’s gu’n toir sibh air an uisge a dhol an rathad a tha sibh a dh’easbhuidh, agus a reisd treoraichibh e a chuid ’sa chuid thairis air an fhearuinn cho-cheangailt’ ris ann an cladhan le gearraidhean no meoir uaithe air chor ’s gum faod an t-uisge ’bhi air a roinn thairis air an uachdar uile. Anns an doigh so faodar aghaidh cnuic no bruaich uile fholach le sior thaom uisge a sgriosas gu luath am fraoch agus a bheir feoir a’s finealt ’na ait, agus tha e iongantach ciod a tha air a dheanamh ann an Suitserland agus Tirol anns an doigh so, ’nuair a thogas iad uisge le rothan o aibhnichean mora airson an aobhar so, agus ag’ arach barran pailt feoir saidhe le mathachadh a’s flinchadh an deigh sin eadhon cliathaichean na’n cnuic a’s casa a’ giulan a naird a mhathaichidh air am muin agus a’ buain an fheoir 3 no 4 chuairt ’sa bhliadhna. Se’n geamhradh an t-am a’s fearr airson na h-oibreach so; ach fendar a dheanamh anns gach am gu buannachdail. Agus leigeadh leis an uisge fantuinn a’ ruith thairis air an uachdar re fad chaochladh laithean cuideachd ’n uair a dh’fhaodar na gearraidhean ’san rathad sin a bhi air an duineadh, agus air am fosgladh ann an rathad eile gu leigeadh an uisge thairis air talamh uir. Cia minig, agns so gu h-araidh far am faic sibh taoibhean uilde no’n fhosglaidh gu nadurach uaine, a chunnaic mise 100 slait de shruthain le oirean feoireil a’ ruith direach a sios air ’ur leothaidean-sa far an robh na [TD 116] [Beurla] [TD 117] h-uile mu’n cuairt dubh agus aimrid, ach ni a dh’fhaodadh a a bhi air a threorachadh air a leithid a dhoigh air feadh aodainn a chnuic air ais agus air adhart as gu’n tionndadh e an t-iomlan a chum ionaltradh gast, agus air a dheanamh ann an iomadh ait air cost nach mo na am buachaill a bhi gu feumail a’ cleachdadh na’n uairean diamhan a tha an tras’ air an caitheamh a’ cadal anns a ghrian; ann an amharc gu mi-bhuannachdail air an fhasach mu’n cuairt da, no a’ ruagadh ’sa’ milleadh a chruidh no nan caorach le a chu dhileas ach neo-fheumail. Rathaidean, Cha’n urrar fearuinn air bith aiteachadh gun mheadhonan ruigsinn oirre le rathaidean do’m bu choir duibh an aire a thoirt. Oir gu minig tha cosd rathaid maith air a chaomhnadh ann an aon bhliadhna le caitheamh chuirn ’us airneis air am milleadh le tarruing tre lathaich ’us chlachan ’us chlaisean. Cha’n’eil innleachd rathaid air dhoigh sam bith doilich. Ann an duth’chan cnocach cum comhnard cho fagus ’sa ’s comasaich le dol mu’n cuairt do na cnuic a roghain air gearradh tromha; oir cha’n’eil ni air bith a’s cinntiche na gu’m bheil a cheud doigh dhiubh so a cheart cho aithghearr agus moran nis furasda na an doigh mu dheireadh. Tha comhnard mhaireanach gidheadh sgiosail a thaobh na h-aon fheithean a bhi a ghna an sas: ach ann an rathad aig am bheil eirighean ’us tuiteaman seimh tha na feithean uile air an gairm gu cleachdadh uair mu seach, agus cuid dhiubh aig fois an fheadh a tha a chuid eile air an cleachdadh. Ma bhios leabaidh thana, de thalamh bog far am bheil ’ur rathad gu ’bhi air a dheanamh, thoiribh gu h-iomlan dheth e, ach ma bhios an leabaidh domhain mar ann am mointich, bithidh i na deagh steigh shubailte agus faodar a fagail a’ gearradh cladhanan domhain air gach taobh dhi gu ’deanamh tur thioram ’us thana, agus a chuibhrigeadh thairis le sgrath dhubailt no thri-fillt’ de dh’fhal roimh cuir gainmheach air, ni bu choir a bhigutiugh air a chuir air (mar a’s tiuighe ’sann a’s fearr) a cumail as na h-uile chlachan a bhios osceann meud uibhe. Togaibh ’ur roidean an eatorras ’sa mheadhon, a toirt dhoibh leagadh air gach taoibh air son an uisge ruith dhiubh air ball agus na bithibh ro iarrtunach air deanamh rathad briadh farsuing; oir leigidh 14 throidhean le da chairn a dhol a seachad gu furasda agus cha’n’eil feum air tuille. Cladhaichibh cladhanan fosgailte an cois nan taoibhean a’s airde agus biodh iad gu curamach air an cumail glan. Lionaibh anaird claisean ’us tuill cho luath ’sa thaisbeanas iad, agus ma bhruchdas toll anns an earrainn mhointich, fosgailibh e uile mu’n cuairt gus an ruig sibh air an ait an do chuireadh an sgrath dha-fhillt, no thri-fhillte a dh’fhal a bhi fallan; a reisd [TD 118] [Beurla] [TD 119] ceanglaibh sgrath uir mar a roimh anns an t-sean earrainn gu grinn agus ath-chuibhrigibh e le gaineamhach. A dh’easbhuidh fal ur a chuir air bithidh gach oidhirp eile ’ga charamh neo-fheumail Tha mi deigheil mar an ceudna air sga n-’ur mnathain ’s ’ur nigheanan, nach biodh ceum cois air a dhearmad. Togaibh e aig a chuid a’s lugha 8 eorlaich os ceann comhnardas a ghrunna, cumaibh e tioram le cul-chladhan ’n uair a bhios e feumail, agus ge air bith cho aimhleathan (oir tha 18 eorlaich gu leoir air leud) gheibh sibh a cho’fhurt a bhi a’ faicinn nach bi iadsan do’m fearr am bi ’ur gaol air an dochuinn le fliuchadh no air an deanamh mi-dhealbhach le brogan no aodaich shalach. Acfhuinnean Tuachanais. ’Siad na h-acfhuinnean a’s feumail ann an tuathanas. 1, An Spaide a tha mi deigheil gu fhaicinn air a cleachdadh anns gach ait an ait na’n acfhuinnean a bh’aig ’ar sinnsearan nach robh ach a mhain a’ riachadh an ait ruamhradh ’us mineachadh na talmhainn: Oir th’an spaide fregarrach airson seors sam bith a dh’oibir. Tionndaidh i talamh ni’s riaghailtiche agus ni’s doimhne na an crann. Ni i roidean, cladhanan, agus dion-gharaidhean agus tha i freagarrach airson an oibir as eutrom ’s is grinne, cho maith ’s is airson an ruamhraidh a’s truime. Ann an taghadh spaide, na earbibh ri a neart bho thiuighid a laimh a tha a ghna neo-ghoireasach, ach thoiribh aire gu’m bi i de’n fhiodh a’s fearr, nach taisbean snaim air bith, agus gu’m bi e reith gun chuir bho’n laimh gus an iarunn. ’Si spaide mheadhonach mhor a’s fearr airson feuman cumanta. ’Sann a tha feadhain throm laidir iomchuidh amhain airson ruamhradh fearuinn uir, agus sluaisidean airson talamh fuasgailt’ mointich agus deanamh roidean, &c. 2. Piocaid.—Tha piocaid tur fheumall airson cladhach, deanamh roidean, agus caochladh feuman eile; ach a thaobh nach bi feum oirre an comhnuidh, chomhairlich mise do mo shluagh ceangal cuideachd agus te a cheannach eatorra, a chum i ’bhi air a cleachdadh uair mu seach le ceathrar no ni’s mo mar a dh’fheumar. 3. Sgrioban.—Tha ’n sgrioban chumanta feumail airson buntata, sneipean, agus caochladh feuman beaga eile, ach cha’n’eil an t-seors bheag chruinn a tha mi a’ faicinn gu trice sibh a’ cleachdadh, agus air a deanamh le goibhnean duthcha. Faighibh an aon uair bho na bhuth sgrioban aig am bi a duilleag 7 eorlaich fhada agus 4 no 5 a leud, agus ni sibh a dha uiread a dh’oibir ’sa tha sibh an trasa ’deanamh. 4. Racanan, agus 5, Fuirc airson deasachadh [TD 120] [Beurla] [TD 121] feoir, agus oibir stabuil, agus tha na racanan feumail airson folach ’ur sil, mur bi n-’ur fearuinn mor gu leoir gu iarraidh San 6-amh ait, Cliathan, a tha tur fheumail ma tha eich air an cleachdadh, agus oibrichidh iad ni’s fearr, tha mi ’smuaineachadh le cliathan fiodha mar bho shean na a reir an doigh uir iaruinn. 7. ’Se ’n Crann an inneal a’s feumail do ’n tuathanach, agus ann an caochladh chumaidhean bha e air a chleachdadh le gach tuathanach bho ’n am an d’aitich Cain an toiseach an talamh a bha’n am sin oigheil. Mholainn os ceann na h-uile sheors eile an Crann uir iaruinn a tha a nis air a dheanamh le ’ar Goibhnean uile, ged, tha mi ’saoilsinn na’n robh cuidhle ’na thoiseach gu’m b’ urrar an oibir a dheanamh ni’s riaghailtich, agus ni’s socraiche do na h-eich a bu choir a bhi, tha fhios agaibh, a ghna air an cuing-cheangal, a dha taobh ri taobh, agus cha’n ann mar ’an Sasuinn, aon roimh aon. 8, Cuirn, ’Siad na cuirn a’s fearr an fheadhain shingilte a reir meud ’ur n-eich, le freum fiodha fuasgailte gu cheangal air uachdar an uair ’bhithear a’ giulan rudain eutrom tomadach, mar a ta arbhar ’us feur. Cha bhi e doilich a dhearbhadh oirbh gu’m bheil moran de’n tarruing air ’ur n-eich an crochadh air an doigh an luchdaich sibh ’ur cairn, ni bu choir a bhi cho freagarach ’s nach biodh os ceann ceithreamh de ’n tarruing a’ foiseachadh air druim an eich, ’nuair a sheasadh e air rathad comhnard. Bu choir saic a bhi gu tric air an athrachadh cuideachd a reir chuisean le cuir nan rudain air an toiseach ann an direadh cnuic agus an gluasad gu dheireadh ann an dol a sios cnuic ni a bheir mor shocar do shaothar an eich bhochd. 9, Tha araon Bara-rotha ’us Bara-laimhe, far nach bi cuirn, tur fheumail airson tionail mathaichidh, giulan chlach, agus caochladh fheuman eile. 10, Tha Cairn slaoid air a chumadh bho earrainn chrom de chraobh le boinn iarunn agus bara goireasach ann an deanamh leasaichidhean ura agus atharraichidhean. 11, Tha Corranan gu cumanta air an cleachdadh ’san duthaich so, ach tha buain les an Speal a chuid ’sa chuid a tighinn ’san fhasan, agus tha e ann an iomadh chuisean ni’s fearr. ’Nuair a dhearbhas an aimsir fliuch agus gur cuis chuideamach cothrom a ghabhail air uair thioram air bith, no ’nuair a bhios fodar de ’n fheum a’s mo, air gach aon chor mholainn an Speal a roghainn air a chorran. Leis an Speal tha ’m fodar air a ghearradh ni’s dluithe ris an talamh [TD 122] [Beurla] [TD 123] na leis a chorran, agus tha air a radh gu’n tioramaich arbhar air a ghearradh leis an Speal ni’s ealamh’. Gu cinnteach tha ’n oibir air a deanamh, ni’s luaithe, agus is urrar uimesin cothrom a ghabhail de gach uair thioram. Cha bhi na sguaibean cho tur ghrinn ’sa bhios iad sin a ghearrar leis a chorran, ach ’si sin an aon phuinc far nach ’eil aig an Speal an toiseach. Speal le dithis luchd-leanmhuinn, aon gu tionail ’us gu deanamh bhannain, an aon eile gu ceangal ’us stucadh no sgruthadh, buainidh iad uiread ann an la ri 7 pears le corranan agus cha bhi an grainn cho mor air a chrathadh. Feumaidh an Speal a bhi air a ladhadh leis an fhaobhar air a thogail beagan n’s mo na ’nuair a ghearrar feur. Feumaidh an talamh a bhi gu maith air a roladh an deigh cuir an t-sil, air neo faodaidh an Speal a bhi air a bhriseadh le clachan. Bu choir ’ur stucanan no sgruthanan a bhi air an curraiceadh, ’se sin, 2 sguab ton ri ton agus sgaoilte air mulach an sgruthain mar thubhadh no chomhdach bho fhrasan. An ait an doigh an tras air cuir an arbhair uile ann an saibhlean, ni a dh’fheumas mor chuir-a-mach ann an togailichean, biodh cruaichean de mheud mheadhonach, (gach aon a’ gabhail bho 6 gu 12 cairtail) a reir meud na fearuinn a tha ann ’ur seilbh, air an togail ann an aite tioram sam bith a’s fosgailte do na gaoitean. Mur leig an aimsir leis an arbhar tiormachadh gu tur, biodh meadhon fiodha (a reir an dealbh) air a chumadh le fosgladh fodha ris an iar-dheas airson leigeadh a steach na gaoith, agus toll aig a mhullach gu tarruing na gaoith (faic an dealbh) cha’n’eil an eagail a’s lugha gu’n gabh a leithid sin de chruach teas le toigh ann an aimsir ’sam bith) agus bu choir seann seol air a dheagh thearradh, no aodach laidir sam bith eile a bhi a ghna ullamh air chinn uisge a thighinn re am deanaimh na cruaich a chum gu’m faod e bhi gu ’grad air a thilgeadh air mulach na cruaich neo-chriochnaichte agus a cumail bho an fhras. Cha’n fhaod an comhdach so gidheadh a bhi air a chuir ro dhlu air a chruach air chor’s gu’m bean e rithe, ach air a chumail a ’naird le pruip no barrach air chor’s gu leigeadh cuairt shaor de’n aileadh eadar a chruach agus an comhdach. A dh’easbhuidh so stadaidh sibh an ceo a dh’eireas a ghna bho arbhar air ur-chruachadh. Ann an Germanie thug mi aire do sheors uir de chomhdach gluasadach a ghna air a chleachdadh ann an cruachadh, ni tha mi a’ smuaineachadh a dh’fhaodar gu gle bhuannachdail a thoirt a steach do chleachdadh anns an tir fhliuch againn. Tha ceithi’r chabair air an cuir an aird air an spot an taobh steach am bheil a chruach air a runachadh ’bhi air a togail, agus air na cabair tha air a chuir [TD 124] [Beurla] [TD 124a] [Dealbh] [TD 125] mulach gluasadach fosgailte de mhaidean caola air an comhdach le fodar, fraoch, no luachar. Tha ’n tubhadh so le slaoid an aird no a mhan mar a thoilichear (faic an dealbh) a’ cumail an arbhair tioram an uair a’s eigin duibh le aobharan sguir do chruachadh, agus an uair a tha barr-thubhadh gann faodar na comhdaichean so fhagail air na cruaichean ’nuair a chriochnaichear iad agus ma nithear iad de chabair learaig agus fraoch, mairidh iad 20 bliadhna. Cha’n’eil biastan an gar do ’bhi cho sgriosail do arbhar ann an cruaichean ’sa tha iad d’a ann an tighean, agus gu dhion ni’s eifeachdaiche faodaidh gach cruach ’bhi air a togail air lar mhaidean no phlancaichean neo-mhin na’n luidhe air puist chlach no learaig air an cumadh (mar anns an dealbh) air chor’s gu’n cum iad na luchanan as radanan bho streap a naird. Na thu’irt mi an tras’ air Tuathanas faodar a mheas goirid air cuis cho chuideamach, ach na’n cleachdar na seolaidhean ud a tha a roimhe so, cha’n’eil mi ’n teagamh, mur bi buaidh iomlan na’n cois, nach bi iad co dhiubh na’n leasachadh air an doigh a tha sibh an tras’ leantuinn; agus ris so tha mi a’ toirt mar eisempleir bho Leabhar ghast Mhr. Uilde air tuathanas bheag, ni a tha fhios agam a tha ann an iomadh earrainn de Shasuinn air a leantuinn le mor bhuannachd. Ciod an Tomhas Fearuinn a tha gu leoir gu beathachadh Teaglach le Muic-fheoil, Luibheanach, Uibhean, agus Bainne? Tha an Dealbh, eadhon an 4-amh Dealbh, taobh-duilleag 105 air a shaoilsin a bhi 2 acair, agus tha a na cheithreamh acair’ air a chuir fo bharr mar so:— A *1. Buntata agus Curranan dearg, 19 slait fhada le 4½ slait leud. Tomhas sil agus prig: 2 ghalan Buntata, 4 sgillin; curranan dearg, 1 sgillin. Anns an dara seachduin de’n Mhairt, gabh 6 baraichean mathaichidh, sgaoil e gu riaghailteach air a ghrunn, agus toisich ri ruamhradh aig aon cheann ri feadh troidh’. A reisd sin an t-sreang tarsuing air an iomal, agus gearr rithe clais 3 eorlaich * Tha A 1, a’ ciallachadh, Aireamh 1, agus A 2. Aireamh 2. &c. [TD 126] [Beurla] [TD 127] a dhoimhne, agus suidhich buntata luathrach 9 eorlaich bho a cheile ann an sreath; a reisd ruamhair a risd feadh 18 eorlaich, suidhich an t-sreang, dean clais, agus suidhich mar a rinn thu a roimhe. Mair mar so ri fad 7 slait; a reisd ruamhair agus rac an 2 shlat eile, agus cuir an curran dearg goirid, ni dh’fhaodas a bhi uile air a dheanamh ann an 6 uairean; no ann an tri laithean, aig 2 uair gach la. Feumaidh am buntata hoe-aigeadh ann am meadhon a cheud mhios de an t-Shamhradh, leth uair a thim; talamh a chuir riu aig deireadh na miosa, 1 uair. Bithidh iad ullamh airson feum anns a mhios mheadhonach, agus riaraichidh iad an teaghlach gu deireadh a cheud mhios de’n Fhoghair. Bithidh na curranan ullamh anns a cheud mhios de’n t-Shamhradh. A 2. Peasair luathrach ’us Ponair, 18 slait a dh’fhada, agus 4½ slait a leud. Peasair, 3 pinnt, 1 tastan; Ponair, 1 phinnt, 2 sgillinn; maidean-peasrach, 6 sgillinn. Ann an toiseach mios dheireanaich a Gheamhraidh ruamhair an grunn uile, agus anns a chend mhios de’n Earrach, cuir 14 shlatan le peasair luathrach, 3 throidhean bho shreath gu sreath, agus na 4 slatan eile le ponair Mhasagain ann an sreathan 1½ troidh’ bho ’cheile, a’ gabhail 4½ uairean a dh’oibir. Feumaidh iad talamh a chuir a naird riu da uair; an toiseach ’sa Mhairt, a reisd ’sa Ghiblean, cairteal uaire a thim gach uair. Feumaidh a pheasair maidean a chuir rithe ’sa Ghibhlean, ni a ghabhas leth uaire. An deigh sin, cha’n iarr i ach a mhain a bhi air a cumail glan bho luibhean, agus bithidh i ullamh airson feum bho dheireadh mios mheadhonach an t-Shamhraidh gu deireadh a cheud mhios de’n Fhoghair. A 2. a, tha mi g’a ghleidheadh airson cuir sil bheaga ann, —mar a bhios an deigh so air a mhineachadh. A 3, Cal luathrach Bharnes, 9 slait, le 11½ throidhean. Luathrach ann am mios dheireanach an Fhoghair sgaoil gu riaghailteach 4 baraichean mathaichidh, agus biodh e gu maith air a ruamhradh, ni ghabhas 3 uairean a dh’oibir: a reisd suidhich ann an sreathan 1½ troidh bho ’cheile, agus 1 troidh ’san t-sreath, 200 planntan, leth uair a dh’oibir. Airson arach na’m planntanan, fait A 2 a. A 4. Peasair iosal Smior agus Ponair Uindsoir, 6 slait le 11½ throidhean; Peasair 1 chairt 8 sgillinn; ponair 1 phinnt 2 sgillinn; maidean peasaireach, 6 sgillinn. Ann am meadhon a cheud mhios de’n Earrach, ruamhair agus cuir 2 shreath de pheasair iosal Smior, 4½ throidhean bho ’cheile; agus 2 shreath de phonair Windsoir, 2 throidh bho ’cheile, 1½ nair a dh’oibir; cuir talamh agus maidean ris a pheasair ’an toiseach ceud mhios an t-Shamhraidh, 1 uair. Bithidh iad airson feum bho dheireadh an t-Shamhraidh gu toiseach mios mheadhonach an Fhoghair. A 5, 6, 7, agus 8, feumaidh iad 6 baraichean mathaichidh, agus a bhi gu maith air an ruamhradh ann an toiseach a Mhairt, 4 uairean a dh’oibir. [TD 128] [Beurla] [TD 129] A 5, Uinneinean, 1 unnsa sil 6 sgillinn; an toradh 2 bhuiseal; 27 throidhean fhada le 5 throidhean leud. Rac e comhnard; a reisd sin an t-sreang, agus tarruing riadhan leth eorlach a dhoimhne, agus 6 eorlaich bho ’cheile. Cuir an siol; a reisd rac e gu h-eutrom thairis, 1 uair a dh’oibir. ’Nuair a thig am barr a naird, agus a bhios e iomchuidh airson itheadh, dean tana iad gu 3 eorlaich bho ’cheile; cum glan iad fad an t-shamhraidh bithidh iad ullamh airson an tarruing aig deireadh mios mheadhonach an Fhoghair. A 6. Bloinigein Biorach Garaidh, 6 troidhean leud agus 27 throidhean a dh’fhada. 1 unnsa sil, 2 sgillinn. Bithidh e ullamh ann am mios dheireanach an t-shamhraidh. Rac an grunn comhnard, agus sgaoil-chuir an siol ’sa Ghiblean, leth uair; an deigh dhoibh fas a naird, dean tana lad gu 4 eorlaich gach rathad, agus cum glan bho luibhean iad. A 7. Sneipean luathrach agus Lettuce, 7 throidhean le 27 throidhean. Siol, Shneip, 1 sgillinn; lettuce, 1 sgillinn. Rac e comhnard, agus cuir iad aig deireadh a Mhairt, leth uair a dh’oibir. Dean tana na sneipean gu 9 eorlaich: bithidh iad ullamh ann an mios mheadhonach an t-shamhraidh. Dean tana an lettuce gu 9 eorlaich, agus bithidh iad ullamh ann am mios dheireanach an t-shamhraidh. Feumaidh iad a bhi air an cumail glan bho luibheanach. A 8. Ponair Scarlaid Fhrangach, 30 throidhean, le 9 troidhean. 1 phinnt sil, 3 sgillinn; maidean 6 sgillinn. Bithidh iad ullamh ann am mios dheireanach an t-shamhraidh, agus mairidh iad gus am mill an reothadh iad. Ruamhair gu h-eutrom an grunn ann an toiseach ceud mhios an t-shamhraidh, agus suidhich 2 shreath Phonair Sgarlaid, 3 eorlaich bho ’cheile ann an sreath, 1 uair a dh’oibir; cuir talamh agus maidean riu ’nuair a bhios iad 3 eorlaich a dh’airde, leth uair a dh’oibir. A 9. agus 10. Ruamhair ann am mios dheireanach a Gheamhraidh agus ceud mhios an Earraich, ni a ghabhas 10 uairean a dh’oibir. A 9. Curranan Gealu, 6 slait le 9 slait, siol 2 sgillinn, ullamh airson feum ann am mios dheireanach an Fhoghair. Cuir ’sa Mhairt, ann an riadhan 1½ troidh bho ’cheile, agus 1 eorlach a dhoimhne, 1 uair; cum glan bho luibheanach iad, agus bithidh iad ullamh gu’n togail ann am mios dheireanach an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir. Toradh, 4 buiseilean. A 10. Curranan buidhe, 14 slait le 9 slait. Siol, 4 sgillinn; toradh, 12 bhuiseilean. Ruamhair gu h-eutrom an gruun, agus cuir ann an riadhan 1 troidh bho ’cheile, agus leth eorlach a dhoimhne an 3-amh seachduin de’n Mhairt, 2 uair a dh’oibir. Dean iad tana far [TD 130] [Beurla] [TD 131] am bi iad ro thiugh, bho 4 gu 6 eorlaich bho ’cheile; cum iad glan bho luibheanach, agus bithidh iad ullamh gu’n togail ann am mios dheireanach an Fhoghair. A reisd feumar an toirt, maille ris na curranan geala, do’n sgail-thigh fhosgailte, agus an cuibhrigeadh le fodar, gu cumail a mach an reothaidh, 3 uairean a dh’oibir. Bho b gu c suidhich sreath de phris ghroiseidean, agus de phris dhearcan dearg, dubh, no geala, a thaobh gu’m bi gach cuid dhiubh so feumail ’san t-shamhradh airson pithean no miosan taitneach eile. A 11. Eorna, 19 slait le 20 slait. Siol 1½ ghallan, 15 sgillinnean; toradh, 4 buiseilean. Feumaidh an grunn a bhi gu maith air a ruamhradh ann an ceud mhios a Gheamhraidh, 12 uairean a dh’oibir; a reisd leig leis laidhe gus an dara seachduin de na Ghiblean, ’nuair a dh’fheumas e a bhi gu h-eutrom air a ruamhradh, agus an t-eorna a bhi air a chuir ann an riadhan, 6 eorlaich bho ’cheile, 2 eorlach a dhoimhne, 6 uairean a dh’oibir. An deigh dha ’bhi ’naird 10 laithean, feumaidh e a bhi air a rolaigeadh no air a bhualadh leis an spaide, 1 uair. Cha’n fheum e ni sam bith tuille gu am hoe-aigidh, ni a dh’fheudas a bhi air a dheanamh ann an 1 uair. Bithidh e ullamh airson a bhuain ann am mios mheadhonach an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir. Ma bhios an aimsir mi-fhabharach, thoir e do na sgail-thigh gu thiormachadh; buail e anns a mhios dheireanach de ’n Fhoghair, 5 uairean a dh’oibir. A 12. Buntata, 19 slait, le 15 slait. Siol, 1 bhuiseil, 18 sgillinnean; a thoradh, 25 buiseilean. Ruamhair an grunn ann am mios mheadhonach a Gheamhraidh, 10 uairean a dh’oibir. Leig leis laidhe gus an 3-amh seachduin de’n Ghiblean; a reisd sgaoil 8 baraichean mathaichidh air, agus toisich ri a ruamhradh gu h-eutrom aig aon cheann de na mhir. Sin an t-sreang aig 1 troidh bho an oir; gear a mhan clais 4 eorlaich a dhoimhne, agus suidhich am buntata. A reisd ruamhair 3 throidhean eile, suidhich an t-sreang, dean clais, agus suidhich mar a roimhe; agus mar sin air adhart gu deireadh a mhir, 7 uairean a dh’oibir. Mu mheadhon mios mheadhonach an t shamhraidh feumaidh iad an hoe-aigeadh, 2 uair a dh’oibir. Ann an ceithir la deug feumaidh iad talamh a chuir riu, 1 uair; agus an talamh deireanach a chuir riu 14 laithean an deigh sin, 1 uair. Feumaidh iad a bhi air an cumail glan bho luibhean gu mios dheireanach an Fhoghair, an uair a bhios iad ullamh airson an togail, 8 uairean a dh’oibir. Gu gleidheadh Buntata, dean da tholl, 1 troidh a dhoimhne, agus 4 throidhean a leud ’sa dh’fheadh, ni a chumas 8 buiseilean gach aon; cuir beagan fodair thairis orra; a reisd cuibhrig iad a naird le talamh 1½ troidh a thiuighead. Faodaidh na 9 buiseilean eile a bhi air an cuir anns a sgail thigh, agus air an cuibhrigeadh le fodar airson feum. [TD 132] [Beurla] [TD 133] A 13. Cal mor luathrach Iorc no Bhuilion-shiucair,19 slait le 5 slait; 220 planntain. Airson an togail no’n arach, faic A 2. a. Ruamhair gu maith thairis ann am mios mheadhonach a Gheamhraidh, 2 uair a dh’oibir; a reisd anns a Ghiblean ruamhair gu h-eutrom a steach 3 baraichean mathaichidh, 2 uair a dh’oibir. Suidhich ann an sreathan 2 throidh bho cheile agus 1½ throidh ’san t-sreath, 1 uair. Cuir talamh riu anns a cheud mhios de’n t-shamhradh, leth uair. Bithidh iad ullamh anns a mhios dheireanach de’n t-shamhradh. A 14. gu 20. feumaidh iad a bhi gu maith air an ruamhradh ann am mios dheireanach a Gheamhraidh, 4 uairean a dh’oibir; a reisd, ’sa Mhairt, feumar an suidheachadh ’nan leapaichean le camomile, hisop, saidse, mardeoram. agus saibheas, luibhean a bhios feumail mar luibhean poit no leighis. Feumaidh A 19 agus 20, a bhi air an suidheachadh le balm agus mionnt, a riaraicheas an aite tea ann am miosan a Gheamhraidh. A 21. Mearcuri (Chenopòdium Bonus Henricus) ’se sin Lus dheadh Righ Eanruig, mar bhloinigean garaidh maireanach, lus a gheibhear gle fheumail. Faodar na freumhan a thoirt as na raointean ann am mios mheadhonach an Fhoghair, agus an suidheachadh, 1 uair a dh’oibir; agus bheir iad a mach pailteas dhuilleigean an ath Earrach, agus air feadh an t-shamhraidh. Feumaidh na luibhean eile a bhi air an suidheachadh ann an toiseach a Ghiblean, 3 uairean a dh’oibir. Tha A 2. a, mar a dh’ainmicheadh a roimhe, air a ghleidheadh airson arach planntanan bho shiol, &c. Anns an t-sheachduin dheireanach de cheud mhios an Earraich, cuir mu’n cuairt do 2 shlat air fad ’s air leud de chal shabhoidh, cairteal uunsa; mar an ceudna 2 shlat de chal preasach uana, no cal preasach Bhrusel, cairteal unnsa, 1 uair a dh’oibir: agus mar a thig am buntata de A 1. faodar an sabhoidh agus an cal preasach a shuidheachadh ann an sreathan 2 throidh bho ’cheile, ann am mios dheireanach an t-shamhraidh no ceud mhios an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir. A reisd cuir ann an A 2. a. anns an t-seachduin dheireanach de mhios dheireanach an t-shamhraidh, leth unnsa de ros cal luathrach Bharnes, 6 sgillinn; suidhich na planntanan ann an aite falaimh sam bith de ghrunn gu luath ann am mios mheadhonach an Thoghair, aig 3 eorlaich bho ’cheile gach rathad, 1 uair a dh’oibir; ann an sin gu seasamh gus an suidhichear mu dheireadh iad ann am mios dheireanach an Fhoghair ann an A 3. Mar an ceudna mu thoiseach ceud mhios an Fhoghair, cuir leth unnsa (6 sgillinn) de chal mor Iore no de chal mor bhuilion-shiucair, agus suidhich iad ann am mios mheadhonach an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir, ann an grunn falaimh sam bith, far an seas iad gus a Ghiblean, gu bhi air an suidheachadh ann an A 13. Lics.—Cuir ann an a A 2. leth unnsa lics (2 sgillinn), anns a Mhairt, leth uair; airson an suidheachadh ann an A 7. an deigh na’n sneipean a thighinn dheth, 1 uair a dh’oibir. Faodar [TD 134] [Beurla] [TD 135] beagan lettuce a chuir, gu shuidheachadh ann an ceud no dara mhios an t-shamhraidh, agus bithidh e ullamh ann an ceud no dara mhios an Fhoghair. Chaidh mi ’nis troimh na bharradh agus an doigh aitich airson son bhliadhna. Feumar barradh an ath bhliadhnaichean ath’rachadh; agus, le deanamh mar sin, bithidh cuairt bharrain riaghailteach an deigh a cheile air a chumail suas air feadh a ghrunna, a ghna a’ toirt an t-aon seors aiteach do gach barr fa-leth, a chomhraich mi a mach, ach ’ga ath’rachadh a chum gach earrainn de an lios. Mathachadh.—Feumar gach uile dhichioll a chleachdadh gu tionail mathachadh; ’se mathachadh na’m muc a’s fearr, agus feumar a chuir air a ghrunn a’s bochda. Feumar uile luibheanaich ’us threamsgal an lis a bhi air an cuir na’n dun gu grodadh, agus sgribidhean sam bith raidean a’s urrar a thionail, agus an luath uile a loisgear san tigh, feumar toigh a thoirt oire, a chionn gu’m bi gach uile ghne mhathachadh air fhaotainn feumail ’us buannachdail. Feumaidh hoe-aigeadh, gart-ghlanadh, agus tionail na’n Luibhein a bhi air a dheanamh leis a bhean ’sa chlann; oibir nach cunnt mi, a chionn gu’m faod gach uair a tha ri chaomhnadh a bhi air a chuir air leth gu feum air chor eigin anns an lios. Mucan.—Uair-eigin ann an ceud mhios an t-shamhraidh feumar da mhuc fhaighinn, a dh’fhaodas an ceannach airson 7 tastain gach aon; agus, le burn nigheadh shoithichean, duilleagan cail bho A 3., fuighleach bhloinigein garaidh, buntata beag, &c. faodaidh iad a bhi air an cumail suas gus am bi an cal bhuilion shiucair ullamh ann am mios dheireanach an Fhoghair, leis sin, am burn nigheadh shoithichean, buntata beag, barr churrainean, agus an cal preasach uile dheth nach deanar feum, bithidh iad air an cumail ann an deadh chor gu deireadh mios dhureanaich an Fhoghair. A reisd feumar toiseachadh ri’m biadhadh mar a leanas:—Anns a cheud cheithir la deug feumaidh iad fhaighinn, air ann goil an darna cuid cuideachd no dealaichte, 2 bhuiseal buntata agus 1 bhuiseal churrainean buidhe, gach seachduin, air am measgadh le burn nigheadh shoithichean gu tiuighead iomchuidh, airson itheadh re fad uile thim am biadhaidh. Anns an ath cheithir la deug bruich dhoibh 1½ bhuiseal bhuntata,1½ bhuiseal churrainean buidhe, agus leth bhuiseal de mhin eorna, gach seachduin. Anns a cheithir la deug mu dheireadh; 1 bhuiseal churrainean buidhe, 1 bhuiseal churrainean geala, agus 1½ bhuiseal de mhin eorna, gach seachduin; mu’n am sin ruigidh iad gu cuidthrom 13 chlachain gach aon diubh (14 puinnd gus a chlach), ni ’bhios na’n 26 chlachain mhuic-fheoil airson na bliadhna, no 7 puinnd gach seachduin, a thuilleadh air na cinn, [TD 136] [Beurla] [TD 137] na cridheachan, agus na h-uile chaoban aig am an gearraidh ’naird, ni riarachadh airson tri seachduinean no mios. Cearcan.—Faodar da chearc a chumail, a thaobh gum bi 1 bhuiseal eorna, 1 bhuiseal churrainean buidhe, agus leth bhuiseal churrainean geala (tha iad air leth deigheil air currainean buidhe no geal air an goil (agus 1 bhuiseal buntata, a dh’fhaodar a thoirt dhoibh amh, ach tha iad a ghna ni’s fearr ma bhios iad air am bruich agus air am measgadh le lan an duirn de mhin eorna; ni a bhios, leis na spiolas iad ’naird mu’n cuairt do’n tigh, gu leoir airson na bliadhna. Bithidh an toradh na’n 70 uibhean gach aon diubh. Theagamh gu’m faodar, anns an talamh agaibhse, cal luathrach a chuir gu buannachdail ’an aite peasair luathrach. ’Se b, biadh uaine airson bo; c, an t-ionaltradh airson bo, agus d, achadh airson biadh geamhraidh. Seolaidhean airson barradh b. A 1. Cal luathrach mor, 11 slait leud, agus 35 slait a dhfhad, siol 1 tastan; an toradh 23 ceud cothrom. Mathaich le 6 baraichean mathaichidh, agus ruamhair ann an ceud mhios an Earraich, 12 uairean oibir; suidhich anns a Mhairt (air dhuit air tus na plantanan ann an a 2 a thogail, mar a tha air a sheoladh airson a cheud roinn, earrainn a dh’fheumas a bhi beagan air a meudachadh,) aig 1½ troidhe bho ’cheile ann an sreath, agus 2 throidh bho shreath gu sreath, 1100 plantain, 2 uair a dh’oibir. Cuir talamh riu ’sa Mhairt, leth uair; ’sa Ghiblean, leth uair. Bithidh iad ullamh ann am meadhon mios deireanach an t-Samhraidh, ’nuair a dh’fheumas iad a bhi air an gearradh, agus air an toirt a chum an ionaltraidh c: a’ toiseachadh le tomhas beag, agus a meudachadh mar a laghdaicheas an t-ionaltradh. A 2. Sueipean, 24 slait fhad, agus 17 slait leud, riol, 2 sgillin; an toradh 26 ceud cothrom. Ruamhair anns a Mhairt, 12 uairean oibir. Leig leis laidhe gus an 13-amh la de mhios rnheadhonach an t-Samhraidh, a reisd cuir air 6 baraichean mathaichidh, ruamhair e gu h-eutrom a steach, a reisd cuir 3 unnsaichean de shneip buidhe Oibirean ann an drileachan le tolladh, agus cuir 4 unnsachan de dhus chnaimh anns gach toll, 9 uairean oibir; hoe-aig ann am mios deireanach an t-Samhraidh, 1 uair; agus mar an ceudna anns a cheud mhios de’n Fhoghair, 1 uair. Bithidh iad ullamh anns a cheud mhios de’n Gheamhradh. A 3. Cal druma-cheannach. Siol 1½ unnsa, 1 tastan; an toradh, 2 thunna. Feumaidh an siol a bhi air a chuir anu an a 2, ann an toiseach ceud mhios an Fhoghair, leth uair oibir, agus air an suidheachadh anns a mhios mheadhonach, 1 uair oibir. Cuid a dh’uairean faodaidh cruas a gheamhraidh cuid dhe na planntanan Cail a mhilleadh; an sin cuir a rithist ann an toiseach a Mhairt, ni ’bhios ullamh airson an suidheachadh [TD 138] [Beurla] [TD 139] anns a cheud mhios de’n t-Samhradh. Ruamhair an talamh gu maith ann an ceud mhios an Earraich,12 uairean a dh’oibir: a reisd cuir air 7 baraichean mathaichidh mu mheadhon a Ghiblean, ruamhair e gu h-eutrom, agus suidhich, 6 uairean a dh’oibir; cuir talamh riu anns a cheud mhios de’n t-Samhradh, leth uair a dh’oibir; mar an ceudna ’san dara mios, leth uair a dh’oibir. Cum glan iad bho luibheanach fad’ an t-samhraidh, agus bithidh iad ullamh airson feum ann an ceud mhios an Earraich, agus gus a cheud mhios de’n t-Samhradh. Grunn ionaltraidh, c, leth acair. A bho gu a bhi air a tionndadh a steach ann air 20 amh la de cheud mhios an t-Samhraidh, far am bi gu leoir gu deireadh na mios deireanaich de’n t-Samhradh; a reisd feumar toiseachadh ris a Chal-bhuilion-shiucair, no luathrach, le ghearradh agus a thoirt mar a dh’iaras itheanaich an ionaltraidh. Mairidh e gu toiseach na mios deireanaich de’n Fhoghair. Bithidh pailteas inneir air a ghrunn-ionaltraidh. An t-Achadh d, 1 acair, a thoradh 2 thunna. Feumaidh mu 20 baraichean inneire a bhi air a chuir air an tri-amh earrainn de’n achadh gach bliadhna ann am mios deireanach a Gheamhraidh, 4 uairean a dh’oibir. Faodar toiseachadh ri buain an fheoir ann am mios deireanach an t-Samhraidh, 12 uairean a dh’oibir. Tha tim faighinn an fheoir deas ’an earbsa air an aimsir, ach ’sa chumantas bithidh 3 laithean airson an duine, a bhean, ’sa chlann gu leoir; cruachadh, 1 la; tubhadh, leth la. Tionnd a bho a steach air an achadh air a cheud la de mhios dheireanach an Fhoghair, gus an toir cruas na h-aimsire ort a toirt a steach do’n tigh, an uair a thig na sneipean gu bhi feumail; ach cho fada ’sa mhaireas aimsir fhosgailte tionnd i a mach ann an tim an la, a’ toirt di anns an raon mu 40 puind shneipean gach la, agus mu 4 puind fheoir ’san oidhch, gus am feum i a bhi air a toirt gu tur a steach do’n tigh; a reisd feumas i 14 puind fheoir, agus 70 puind shneipean fhaighinn gach la agus oidhch. An deigh do na sneipean teireachdainn, toisich leis a chal-dhruma-cheannach, no fhadalach, le toirt di 50 puind gach la, maille ri 18 puind fheoir, [TD 140] [Beurla] [TD 141] a’ meudachadh an tomhais chail mar a bhios a bho a’ dol an diosg, ni a bhios mu mheadhon an Earraich; a reisd faigheadh i bho 25 gu 30 puind fheoir gach la, gus am beir i laogh, ann an deireadh an Earraich; feumas i a reisd pailteas feoir fhaighinn, agus am fuigbleach de na Chal, gus an tionndar i a chum an ionaltraidh air an dara la deug de cheud mhios an t-Samhraidh. Faodaidh an laogh bainne fhaighinn deich seachduinean, agus a reisd is fhiach e mu 2 phunnd Shasuinneach. Cia mor a dh-Fhearuinn a chumas suas Teaghlach le Muic-fheoil, Luibhean, Uibhean, Bainne, agus Arbhar Arain? Bithidh acair agus cairteal a dh’fhearuinn air a chuir ri 2 acair a choiteir ’san darna roinn, gu leoir airson cumail ris na nithe feumail ud. Tha an t uidheamachadh air fheuchainn anns a 5-amh dealbh. An 5-amh dealbh, e, Eorna, 5 peiceachan, 8 tastain: toradh, 12 bhuiseilean. Ruamhair anns a Mhairt, 40 uairean a dh’oibìr. Leig leis laidhe gus a Ghiblean; a reisd ruamhair e [TD 142] [Beurla] [TD 143] gu h-eutrom agus cuir ann an riadhan 6 eorlaich bho ’cheile, agus 2 eorlach a dhoimhne, 5 peiceachan sil, ni dh’fhaodar a dheanamh ann an 25 uairean. Feumar a rolaigeadh gu maith anns a cheud mhios de’n t-Shamhradh, 2 uair a dh’oibir; a reisd anns a mhios mheadhonach feumar hoe-aigeadh, 4 uairean a dh’oibir; an deigh sin cha’n fheum e tuille gus am bi e ullamh airson a chorrain ann am mios mheadhonach an Fhoghair. f, Peasair, 5 peiceachan, 9 tastain ’us 6 sgillin; toradh 15 buiseilean. Ruamhair ann an ceud mhios a Gheamhraidh, 20 uairean a dh’oibir; agus anns a mhios mheadhonach, 20 uairean a dh’oibir, a reisd leig leis luidhe gus a cheud seachduin de’n Mhairt; a reisd ruamhair, rac, agus cuir ann an riadhan 5 peiceachan de pheasair, 20 uairean a dh’oibir; rolaig e, 2 uair a dh’oibir; gart-ghlan e ’an ceud mhios an t-Shamhraidh, 5 uairean a dh’oibir; cha’n fheum e ni sam bith eile gu mios mheadhonach an Fhoghair, an uair a dh’fheumar toiseachadh ri buain araon e agus f, ma bhios iad abaich; ni a dh’fhaodas an duine, a bhean. ’sa chlainn, a dheanamh ann an da la, no 24 uairean. Ma bhios an aimsir mi-fhabharach, thoir a steach i do na sgail-thigh chairn gu tiormachadh. Tha sgail-thigh fosgailte air leth feumail do na choitear; oir, ma bhios an aimsir mi-fhabharach re fad aon seachduin an deigh d’a chuid arbhar a ghearradh, millear gu tur a theachd-an-tir airson an ath dha-mhios-dheug; air an aobhar sin thoir dhomh cead a rithist a mholadh dhuit, ann do shuidheachaidhean thighean, gun dearmad a dheanamh air an togalach tur fheumail so. Faodar bualadh a dheanamh aig tri chaochladh amain, eadhon, mios mheadhonach an Fhoghair, 16 uairean, mios mheadhonach a Gheamhraidh, 16 uairean, mios dheireanach a Gheamhraidh, 16 uairean. Gleidh beagan fodair airson tubhadh na cruaich-fheoir, agus faodaidh cach a bhi air a chreic, ni a phaidheas airson cost an t-sil; no cuir a mach e ann am mathachadh, ni, tha mi ’saoilsinn, a bhios anns a chrioch fior bhuannachdail. Cuartachadh bharrain.—Anns an dara bliadhna, feumar barran a agus b, leis an doigh aiteach a tha air a sheoladh, a ghluasad gu f, agus f gu e, agus e gu a agus b, agus an tri-amh bliadhna gluais mu’n cuairt a risd, air chor as anns a cheithreamh bliadhna gu’m bi e a risd mar an 5-amh Dealbh, leis a chuartachadh sin faodaidh barran maith a bhi air an toirt a mach.” Ach na smuainicheadh neach sam bith gur leoir leughadh a mhain mur toir sibh do’n chleachdadh a tha mi a’ moladh dearbhadh cheart. Ma theid mi a shealltuinn air gabhail fhearuinn air a dearmad tha gearanan air an talamh gu conbhalach air an gleim ’nam chluasan. Ma’se ann am freagairt gu’n ainmich mi fearuinn, de ghne a ’s measa a tha le deagh thuathanas buadhach ’se ’m freagairt gu cumanta. Och, ach tha aice cothrom nach h-urrain mise fhaighinn. Agus ciod e a rireadh an cothrom a tha dh’easbhuidh ort? Dichioll. ’Se so ceangailte ri foighidin [TD 144] [Beurla] [TD 145] agus deagh-riaghladh a rinn boglaich na Holland ni’s tarbhaiche na comhnardan reamhair na h-Eadailt, agus ’siad so a mhain a ’s urra’ sibhse dheanamh cinnteach a buaidh agus soirbheachadh ’san duthaich so. Bha deadh chothrom agam air so a mhineachadh bho chian ghoirid air dhomh a bhi ag meachd comhla’ ri tuathanach beag a bha le dha laimh ’na phocaidean gu dian a’ gearan air bigead fhearuinn aitichte, bochdainn fhearuinn neo-aitichte, aimriteachd a chruidhe, ’an aithghearr fhuair e coire do na h-uile ni. Bha sinn aig an am sin a’ dol a seachad air cuid a dh’fhearuinn a sheilbhich e-fein agus a roimh-athraichean, ach a bha bho chian ghoirid air a toirt do Mhinistear a bha deigheil air suidheachadh eisimpleir mhodhail cho maith ri spioradail do a threud, agus bha gu cabhagach agus gu buadhach a’ toirt ’steach an fhearuinn bhan agus a’ leasachadh na fearuinn a bha gus an so air a droch-aiteach. Dhomhnuill, ars’ mise, seall air an leasachadh a tha do Mhinistear a’ deanamh air an fhearuinn. C’ airson nach lean thu eisimpleir a dhichillean ’sa? “Ah!” ars’ esan, “is maith a dh’fhaodas esan sin uile ’dheanamh a chionn gu’m bheil an cusbar finealt cinnteach gu phaidheadh.” Agus c’ airson, ars’ mise, nach do leig thusa no do roimh a thraichean ris so agus rud-eigin a dheanamh re a cheud bliadhna mu dheireadh a bha i ’nan seilbh? ’si fada na h-uine sin a’ fantuinn na blar dubh aimrite. Nach paidheadh i t-athar-sa bho chian 50 bliadhna no thu-fein an uiridh cho maith ’sa tha i ’gealltuinn gu deanamh ’naird a Mhinistear ’am bliadhna? Thachais Domhnull a cheann, ach cha b ’urra’ e freagairt. Bha airson aon uair a leisg air a dhearbhadh air ged tha eagal orm gur gann a tha i fathast air a leigheas. Tha eagal orm gur roghnach le Domhnull fathast a bhi diomhain air bruaichean Eue no spaidseirich rathad an tigh-osda ’an duil ri tairgse chairdeil de dhrama, na a spaide a thogail agus cladhan fhosgladh eadar fheannagain gu ruith leigeadh leis an uisge, no beagan bharaichean grinneil a thionail bho a choimhearsnachd gu’n tilgeadh air a thalamh mointich, no ni beag sam bith a dheanamh gu deanamh a dhachaidh grinn, a thigh glan, agus e fein sona agus co’ fhurtach. Tha fhearuinn ur-sa an tras’ ni a bha a Ghlib fo a riaghladh-sa ’us riaghladh a roimh-athraichean. Mar so tha e maille riu-san a tha gu nadurrach leisg, agus is ann le beachd air dusgadh n-ur dichillean a tha mi an tras’ a’ labhairt ribh, a’ tairgse mo chomhairle agus a’ [TD 146] [Beurla] [TD 147] dol air adhart gus an 6-amh ceann, eadhon, Spreidh, Eich, Caoraich, &c, agus an euslaintean. Tha aig a mheur so de thuathanas moladh sonruichte anns co-mor as ged b’ urra’ dhuibh anabar barra a thogail thar na dh’fheumadh sibh fein a chaitheamh, feumaidh gu’m bi cosdas a ghiulan gu feill bho ’ur n-aitean fad as-sa a ghna na tharruing air ais gle chuideamach. An fheadh a ta cuir ’ur toraidh ann an cumadh Mart-fheoil agus Muilt-fheoil bheo na dhoigh giulain a reir coimeis de bheag cosdais. ’Si bho an t-ainmhidh arosach a’s feumaile a’s eol duinn. Tha i cumail bainne ruinn re a beatha, agus ’nuair a mharbhar i cha’n’eil earrainn dhi, co dhiubh is feoil, geir, cnaimhean, seich, no adhaircean nach ’eil air an deanamh feumail do ’r n-uireasbhuidhean. Tha na caochladh seorsan a th’ann gun aireamh, ach cha ’n ainmich mi ach a dha mar a bhi freagarrach do n-’ur suidheachaidheansa, ge be ait am bheil feurach an eatorras mhaith agus beagan sneipean airson a gheamhraidh, agus a reisd faodar an crodh a chuir a steach ann an tighean. Mholainn gu laidir seors maol Obareun; tha iad nan ainmhidhean briadh mor, nan deagh chrodh bainne, gu furasda air am biadhadh, agus gne am feola a leithid as a tharruingeas fagus air 2 sgillinn am pund os cinn feoil sam bith eile ’am feill Lunnuinn. Tha iad so uile nam beachdan luachmhor, ach ge b’e ait am bheil an luibhearnach bochd agus gur fhendar do na chrodh luidhe ’muigh, agus cosnadh air-an-son-fein fad a gheamhraidh ’se an seors Iar-Ghaidhealach a thaobh an cruadalachd a’s ionmholta. Tha na beachdan so a leanas gidheadh a’ buntuinn ri seors sam bith dhiubh, oir earbaibh air, mar is fearr a riaraichear iad, ciod air bith an seors, ’sann a’s fearr a phaidheas iad sibh. Aig an am so tha mi toirt aire gu’m bheil sibh gu co’ ionann ’an seilbh air cus stoc anns na h-uile seors bheathaichean a ta agaibh, agus air lorg sin tha aimriteas ann ’ur beathaichean boirionn uile (gu minig le laogh amhain gach darna bliadhna), prisean truagh airson ’ur beathaichean caol og, gu tric gun fhoighneachd air an son—caoraich a’ basachadh le euslaintean, agus eich air bheag comais gu tarruing troimh bheagan oibir earraich ’us fhoghair, ged bhiodh iad diomhan cach de na bhliadhna. Cha’n’eil so idir na mheudachadh air a chuis, agus comhairlicheam dhuibh uile ’ur stoc a laghdachadh le creic’ na’m beathaichean a’s suarraiche ge b’e ’uair a thairgear deagh phris, agus tha i na deagh riaghailt air a leantuin leis a chuid a’s fearr agus a’s liughe de thuathanaich, gu dealachdainn ris an aireamh [TD 148] [Beurla] [TD 149] iomchuidh gach bliadhna agus gabhail ris a phris a bhios a’ dol ’san tiom sin, a roghainn air cumail air adhart ann an dochas air eirigh: Oir cuimhnichibh le cumail cus stoc de aon no da cheann, de bhrigh nach toir iad an taobh stigh do 5 no 10 tastain de na phris a shaoileas sibhse, tha sibh a’ lughdachadh luach gach ainmhidh eile air n-’ur gabhail, agus ma leanas sibh an doigh sin re fad tearc de bhliadhnaichean millidh e ’ur stoc uile. An ath ni cuideamach an deigh aireamh ’ur cruidh a dheanamh a reir ’ur n-’ionaltradh ’s ’ur fodair, ’se deagh bheathaichean firionn a thaghadh airson leasachadh ’ur seorsain. A dh’easbhuidh aire chonbhalach do ’n so theid na h-uile ainmhidh am measad air cho maith ’sa bhios an t-ait, agus ma’s ann mar sin a bhios a chuis aims na h-ionaltraidhean a’s fearr, ciod a bhios e maille ribhse fo chaochladh chuisean? Feumaidh e sior chuir a steach de dheagh fhuil, agus bu choir duibhse a bhi gle thoigheach ann ’ur roghainn, agus gun thalach air leasachadh cosd; oir bithidh e air a phaidheadh le riadh 50 ’san 100. Mar so air baile fearuinn de 10 no 20 ghabhailean far am bheil 50 de chrodh air an saoilsinn de ghne mheadhonach, cha toir na gaimhne a gheibhear le tarbh a chosdas 8 puind shasuinneach, do reir na prisean a tha a nis a’ dol, os-ceann 2 phund shasuinneach an aon, no 100 puind uile: ach ma gheibhear iad le tarbh a’s fearr, a chosdas 40 puind, bheireadh iad aig a chuid a’s lugha 3 puind ’us 10 tastain, no 175 puind uile, mar so a’ paidheadh ni’s mo na a cheud chosd ’san cheud bhliadhna. Tha e an t-aon ni a thaobh reithe, stalanan no beathaichean firionn ’sam bith eile, agus mur urrainn tuath bheaga gu goireasach tairbh no stalanan a chumail iad fein, bu choir dhoibh a ghna sireadh airson an fheadhainn a’s fearr ’sa choimhearsnachd agus paidheadh airson am feum ’sa bhliadhna gu fialaidh, a roghainn air cuir gu droch aon shaor; oir ’sa chuis mu dheireadh caillidh iad gu truagh, agus anns a cheud chuis buannaichidh iad gu mor air. Cha choir do dhuine air bith talach air 2 thastan gach bo a phaidheadh airson deagh tharbh; oir is fhiach a laogh 5 no 10 tastan ni’s mo na laogh air fhaighinn le tarbh a’s suarraiche a bhios saor. Mar so buannaichidh e 3 no 8 tastan ’san aon chuis, agus caillidh e 3 no 8 tastan ’sa chuis eile. Mar riaghailt choitchion thoir an toiseach a ghna do tharbh no stalan a thig bho stoc a tha fo dheagh mheas, eadhon ged nach biodh e cho sealltuinnach ri aon bho stoc a’s neo mheasaile, oir tha deagh fhuil cinnteach gu innseadh fa dheoigh. Bho ’n aobhar so tha sibh gu minig a’ faicinn Beathaichean cumanta [TD 150] [Beurla] [TD 151] a’ faighinn stoc agus eirigh bhriagha, agus tha so tha sibh a’ faotainn ag eiridh bho bhuaidh na’m parantain a theagamh bho chian ginealach no dha air ais. Taghaibh uime-sin ’ur beathaichean firionn, tha mi ’g radh a rithist bho na stoc a’s fearr agus gu h-araidh bho ’n t-seors a’s mo cho maith as de ’n t-seors as fearr cumadh, oir cha’n eol domh amaideas a’s mo na sin a chuala mi gu tric’ eadhon deagh bhreitheamhan ag radh mar gur crodh beag amhain a tha iomchuidh airson nan cnuic chas againn. An ceart aghaidh sin tha an crodh a’s finealta agus a’s truime ’san Roinn-Eorpa air an arach air na beanntaichean ’an Suitserland a tha 5 chuairt cho ’arda agus moran ni’s casa na cnuic sam bith anns a Ghaidhealtachd againn. Is iongantach a bhi a’ faicinn nan creutairean mora leathan-dhruimeach briagh ud a’ feurach air cliathaichean nam beann chas ud, agus cha bu ni air bith ach toigh agus taghadh tairbh bhriagha a b’ urrainn linn chruidh cho finealta a mhairsinn ann. C’ airson ma ta nach feuchadh sibhse ri togail no arach chruidh a’s truime a chionn gu’m bheil an luchd-deiligidh chruidh bho dheas a ghna a’ toirt pris ni’s airde airson stoc og a tha a’ taisbeanadh ’bhi a’ gealltuinn fas mor agus trom,—agus ma reiceas sibh og bheir iad cuideam ’n uair a ghluaisear iad gu ionaltradh a ’s fearr ma bhios iad de sheors mor eadhon ged dh’fhaodas ’ur crodh a bhi rud-eigin beag. Faodaidh moran a bhi air a dheanamh le uachdranan fearuinn ann an leasachadh seors an cruidh air an Oighreachdan le ceannach tairbh airson an cuid tuath an dara cuid gu’n toirt dhoibh a nasgaidh no aig a leithid a phris ’sa ’surra’ doibh a thoirt air an son. Luaidh mi so uaireigin ri Uachdran aon de na Eileanan a’s mo a tha ’sa Ghaidhealtachd, far am bheil an crodh de’n t-seors a’s truaighe agus na’n gabhadh e mo rabhaidh dheanadh e feum dha-fein cho maith as do a shluagh. Gun amharus cha’n’eil cothrom airson tuath an leithide sud de shuidheachaidhean gin faighinn deagh thairbh, agus eadhon ged gheibh eadh, theagamh nach ’eil meadhonan aca gu cumail suas an sult ’sa gheamhradh. B’e an ni a chuir mi an aire gu’n cordadh an Sealbhadair ri fear-arach ainmeil chruidhe airson 10 tairbh da-bhliadhnach air an arach bho na chrodh dubh a’s fearr aige gach bliadhna, agus a b’ urrar fhaighinn airson 12 ghinnidhean gach aon diubh; do bhrigh leis a chordadh a bhi re 12 no 13 bliadhna, ’gan arach gach bliadhna, agus an fheoghainn bu bhriagha air an gleidheadh gu’n creic airson bho 20 gu 50 puind shasuinneach gach aon, an fheadh a bhiodh an fheoghainn bu taire, air dhoibh a bhi de fhuil cho glan ri cach, [TD 152] [Beurla] [TD 153] maith gu leoir airson crodh thuathnaich bheaga. Dh’fheudadh an lethide de thuathanaich ’sa b’ urra, an fheoghain a b’fhearr fhaiginn aig a cheud chost, no dh’fheudar an toirt doibh airson coig bliadhna agus a bhi a reisd air am pilltinn, no a cheud chost a phaidheadh. Dh’fheudar an fheoghainn eile a thoirt do’n tuath bu lugha aig 2 thastan no leth-chrun gach bo; abair bho 2 gu 4 puinnd gach Tarbh, agus a reisd a bhi air a gheamhrachadh leis an Uachdran, a thaobh nach biodh coiteirean dh’fheudadh comasach gu chumail ann an deagh staid aig an am sin. Ciod-sam-bith doigh an toirear a chuis fainear cha b’ urrainn an t-Uachdran a bhi na fhear calla mor eadhon anns a cheud chost. Cinnichidh laoigh nis’ fearr le deoghal na ’nuair a bheathaichear iad bho shoitheach, ach mur urrar gu leor a bhainne a sheachainneadh, bu chor meog, ’us min pheasrach, no lit ’us bainne, a ni biadh gast a thoirt dhoibh. Ann an Esecs, a tha ainmeil airson a laoigh-fheoil, tha mir cailc a ghna air a chuir ann an ait goireasach gu cothrom ’thoirt doibh air imleach aig na h-uile h-am. Cha thiond laogh goirteach gu brach a mach maith, ge air bith cho gasd ’sa dh’fhaodas an seors a bhi, no ge air bith cho maith ’sa dh’fhaodas e a bhi air a bhiadhadh an deigh sin. Bainne.—Buinibh ri ’ur crodh a ghna le caoimhneas, agus seachainnibh na h-uile chruas cainnte fein gu h-araidh aig am bleodhainn. An comhnuidh tarruingibh na sinean an deigh do ’n laogh an deothal, air chor’s nach fagar boinne de na bhainne. Cha’n urrainn cleachdadh a bhi ni’s mearachdaiche na ’bhi a’ fagail beagan bainne an duil ri meudachadh an tomhais aig an ath am bleodhainn. An ceart aghaidh sin, mar is mo a dh’fhagas sibh ’sann a’s lugha aig gach am a gheibh sibh. Agus tha e na fhirinn aithnichte gur e am bainne mu dheireadh a tharruingear moran a’s reamhra na a cheud bhainne: an reamhrachd a’ mairsinn a’ meudachadh air aghart gus a bhoinne mu dheireadh. Ma bhios am bainne tiugh ’us reamhar taomaibh beagan uisge ann agus bithidh ’ur tomhas barra agus ime gu gle phailt air a mheudachadh. Bleodhainnibh ’ur crodh dlu ri tigh-a-bhainne air chor’s gu’m faod am bainne a bhi air a chuir ann an soithichean gun fhuaradh no a bhi gu mor air a chrathadh, agus aithnichear a ghreanntachd agus a ghlainead a’s mo air ’ur n-uile oibre banachaigeach, agus biodh agaibh siolachan gaoiste ’ghna aig laimh gu sioladh troimhe a bhainne agaibh. Air do mhasladh ime salach roinneagach a bhi cumanta do na Ghaidhealtachd, tha mi ’n duil gu’n labhrar gu h-aithghearr uime mar ni a bha a mhain ann an laithean na boirbeachd. Bu choir am bainne a shioladh troimh shiolachan gaoiste. ’Siad soithichean iaruinn air an staoineadh, air neo soithichean [TD 154] [Beurla] [TD 155] criadhaich a’s fearr arms na h-uile seadh airson bainne. Ma gheibh am bainne blas shneipean, cail, no bidhe air bith eile, cha bhi agaibh ach tomhas beag natair a thilgeadh ann gu toirt gu h-iomlain am blas sin deth. Bu choir an t-im a bhi air a thilgeadh ann an uisge fear air ball an deigh a chrathaidh a chum gu’m fas e de dhath ni’s finealta. Tilgibh beagan salainn anns an uisge gu togail dath an ime, agus a reisd biodh e air a shailleadh ann ’ur soitheach gun dail. Crathaidh ’ur barr ni’s furasda an uair a bhios e meadhonach blath: biodh aig ’ur tigh-bainne air an aobhar sin fosgladh ri tuath le pailteas de aileadh uir ann an aimsir bhlath. Suidhichibh ’ur muidhe ann an tuba bhuirn fhad ’sa dh’oibricheas sibh i, agus ’sa gheamhradh, no ’an aimsir fhuar, faodaidh sibh crathadh ann an seomar blath, ach gun a bhi laimh ris an teine. Tha ’n t-im a’s fearr air a shailleadh le measgadh de aon earrainn de shiucar donn no eamh, aon earrainn de natair, agus da earrainn de’n t-sallainn chumant a’s fearr, air am measgadh gu maith cuideachd, agus air an deanamh gu toigheach ’nam fudar gle mhin. Tha aon unnsa dheth gu leoir airson 16 a dh’unnsaichean ime. Cha’n urrainn at t-im a bhi air a dhluthachadh ro theann anns an t-soitheach, no ro churamach air fholach an aird, gu druideadh a mach an ailidh, agus an uair a shaillear mar so e, cumaidh e milis airson iomadh bliadhna, agus bithidh deagh bhlas reamhar aige. Cais.—Tha cais Albainneach gu gnath-fhoclach dona, agus bu choir dhuinn a bhi ni’s curamaich gu airmseachd air meadhonan air chor-eigin gu leasachadh a bhuaidh; oir mar dhearbhachd gu’m b’urradh dhuinn le toigh a bhi a naird ri ’ur coimhearsnaich Shasuinneach mu ’n ni so. Dh’ith mise cais a rinneadh ann an Duthaich Rois, agus le Banachaig bho sgire Ghearloich cuideachd a bha co’ ionann ri cais Stiltonach sam bith ann am blas no aileadh. Tha mi a’ creidsinn gur ann a tha an diubhras ag eiridh bho nach ’eil sinne a’ buileachadh ni’s mo na bainne gun bharr airson ’ar caise, ach ’an Sasuinn tha an cais a’s fearr air a dheanamh bho bhainne ’us bharr cuideachd: ach tha an seoladh so a leanas iongantach airson deanamh chais. Air do thomhas gu leor de bhainne a bhi air a chuir cuideachd gu deanamh a mheudachd a tha air iaraidh, tha e, an deigh a bharr a thoirt dheth, gu bhi air a bhlathachadh air an teine gu staid teas na fola, agus gruth air a dheanamh dheth leis a Bhinid. Faodar a reisd barr a chuir ris do reir reamhrachd a chais a dh’iarar, agus bheir tomhas beag de bhlathach air a chais fas gu luath gorm. Oibrich an gruth [TD 156] [Beurla] [TD 157] gu h-eutrom an toiseach le a riachadh le sgian agus an deigh sin, a bhriseadh ni’s mine, ach gu h-athaiseach air chors gu dealachadh uaithe a mheoig gu tur,—an deigh sin cuir leth unns sallainn ris gach punnd cais agus cuir e fo na bhruthadair. Bu choir na h-oibreachaidhean so uile ’bhi air an giulan air adhart air cho bheag dail ’sa ’s urrar, agus gidheadh gun ro chabhagach. ’Nuair a bhios e 2 uair ’san fhiodhan biodh e air a thoirt as, air a thionnda’ ’sair chuir air ais gu tric agus a’ caochladh an aodaich 3 no 4 chuairt ’san la re da latha, an deigh sin faodaidh e seasamh anns an t-seomar shuidhe re fad seachduin, ’ga thionndadh gu trice. Cho luath ’sa chruaidhicheas e beagan, faodar a ghluasad do ’n rum chais, agus a thiondadh gus am bi e tur thioram; agus tha sruth meadhonach gaoith gu gle bhuannachdail. Roimh cho’ dhunadh mo bheachdain banachaigeach is maith leam aire a thoirt do aon chlaon-bhreith a tha mi a toirt fainear a tha cumanta; ’se sin gu’m bheil crodh a’ toirt ni’s mo de bhainne ’nuair a dh’ionaltrar iad na ’nuair a bhiadhar iad ’san tigh Tha a leithid de bheachd-smuain tur mhearachdach; oir mar a ’s lugha an sgios fo ’n cuirear bo ann am biadhadh ’sann a’s mo de bhainne a bheir i, agus tha abhaist ’bhi ’gam fagail a muigh ’san fhuachd air oidhch, no ’gan rusgadh do mhor theas, agus do ’bhi air an lotadh le cuileagan ’san la, ’san t-samhradh, gle neo-thoinisgeach. Ann an aimsir iochdmhor gu dearbh faodar leigeadh leo am falbhan nadurach a ghabhail, agus agaibhse ann an iomadh suidheachadh feumaidh iad ’bhi air am fagail a muigh a chionn ged is dona an caramh e, cha tharar a sheachnadh a thaobh suidheachaidh ’ur n-ionaltraidh, ach ge b’e uair a cheadaicheas cuisean, agus a ghna far nach ’eil ach teirc de bheathaichean gu sealltuinn na’n deighe, biodh ’ur fodar no feur air a ghiulan dhachaidh, agus air a thoirt do ’ur crodh bainne a stigh, a’ fagail ’ur stoc og ’us cruadalach gu ionaltradh a muigh. Ann an Suitserland, a tha ni’s beanntaicheil na agaibhse, agus ’an aitean far, a thaobh arda, nach’eil arbhar ag abachadh, agus an luchd aitich ag earbs’ mhain air toradh an cruidh, tha aca an crodh a’s briagha agus ’is truime ’san t-saoghal, amhain bho ’n churam a th’air a ghabhail aig an toiseach ann an tarsuinnicheadh na’n seorsan, agus an deigh sin ann am biadhadh le riaghailt agus aire a stigh. Tha ni’s mo na leth na fearuinn (a bhiodh agaibhse air fheurach, a thaobh a mhoir chaisead) ann an sud air uisgeachadh no air a dheasachadh agus a ghna am feur air a ghearradh gu biadhadh a stigh, far am bheil feur air ur ghearradh air a chumail riu, [TD 158] [Beurla] [TD 159] agus tha’n tomhas inneir a th’air a thionail uath airson deasachadh an talamh fheoir an ath earrach an ire ’bhi do-chreidsinn. Bu mhaith leam gu’m faicinn tighinn dlu do an doigh so agaibhse. Feumaidh curam ni’s mo ’bhi air a ghabhail mu n-’ur cruidh na ’mhain an tionndadh ’mach gu criomadh ’naird an lon, agus an ruagadh le coin air an ais a chum a ghrunna a chuirear air leth dhoibh, cho luath ’sa dh’iarras iad pilltinn ’us iad-fein a thilgeadh air trocair an seilbheadairean airson fasgadh agus lon ni’s fearr. Cha’n urrainn sibh ’ur crodh bainne a chus laimhseachadh, no ’n caramh ro chaoimhneil, no idir ’ur spreidh uile: oir tha fiadhaichead nadurach ar cruidh Gaidhealach ann an tomhas mor faoin-bharaileach mar a tha air a dhearbhadh le Mr. D. Stiubhart ’sna Heribh, a tha cho caoimhneil ri a chrodh ’s gu’m faca mise a tharbh a’ tighinn direach le taitneas chuige gu faighinn a chaidreamh. Cheannaich mise fein bo a thug fo chaidreamh toigheach an fhir aig an robh i a roimhe 16 phintean bainne ’san la, ach agamsa, le a h-ionaltradh co’la’ ri treud chruidh, thuit i dheth sin gu 10 no 12 gun dail. Ann an arach spreidh og na leigibh leo an sult a chall ’sa gheamhradh, ach a ghna biodh agaibh beagan shneipean an tasgaidh, ged nach biodh iad ach gu cumail am mionaich fosgailte, agus gu bacadh tinneis, agus gheibh sibh e na chleachdadh gle luachmhor a thoirt do gach aon de n-’ur beathaichean mu’n cuairt do 10 laithean an deigh an toirt bho fheur, agus an cuir a steach do ’ur garadh fodrach no ’ur bathach, mu lan an duirn de shalainn air a chuir a sios ’nan sgornan, ni a dh’oibricheas mar phurgaid sheimh agus a bhacas droch thoradh chaochladh obuinn biaidh. Gu dearbh cha bu choir dhuibh a bhi idir a dh’easbhuidh caoban air chor-eigin de shalainn chreag air an aitreabh a thaobh gu’n imlich na h-uile chrodh, chaoraich, agus eich e gu gionachail, agus tha e air leth feumail. Bheir cus shneipean do spreidh og taisbeanadh tana aig an am, agus uime-sin feumar an tomhas a riaghailt’chadh le cuisean: Ach ainmhidh aig an robh beagan shneipean re ’gheamhraidh, cinnichidh agus fasaidh e ni’s fearr air feur an ath bhliadhna, na aon air a bhiadhadh air feur saoidhe a mhain, ge air bith cho reamhar ’sa dh’fhaodas e a bhi aig an am, agus mar riaghailt choitchion dh’ainmichinn 3 no 4 shneipean meadhonach mor do gach damh gach la. Na’n robh mise gu tairgse comhairle a thaobh creic’ chruidh cho maith as a thaobh an arach’ chomhairlichinn do gach tuathnach beag a chuid beathaichean a chreic, aig bliadhn’ a [TD 160] [Beurla] [TD 161] dh’aois ach an leithid a Bheathaichean boirionn ’sa dh’fheudas a bhi feumail airson eumail an aird an stoc, agus gu h-araidh ma bhios a laogh air fhaighinn le deagh tharbh, mur bi e goirteach, ach a’ faighinn an tomhas feumail de bhainne, mhin, no lon eile aig an toiseach agus aire cheart a thoirt air an deigh sin; ’se sin, a chumail bla agus a leor shneipean ’sa bhuntata a chumail ris ’sa gheamhradh, is coslach gu’n tiond e ’mach ’na ainmhidh grinn, ma chuirear e air deagh fheurach ’san Earrach; ach ma leigear leis fantuinn ann ’ur n-ionaltraidh mhall-fhasach eadhon an deigh deagh gheamhrachadh, ni ann ’ur suidheachadh-sa, a ’s urrar ni’s ealamh a thoirt do aon no dha de spreidh na ’nuair a chumar aireamh mhor cuideachd, tha fhas air a stad agus gheibh e leis sin suidheachadh mhall-fhasach nach bi am feasd air a leasachadh. Ma bhios ma ta pris mheadhonach air a tairgse ’san Earrach, mholainn gu laidir creiceadh; agus mur bi, mholainn feurach far am bheil an ionaltradh pailt, an t-aite blath, agus far am bi am fois neo-bhruailleineach le coin, a tha mi a’ meas a phlaigh a’s sgriosaile a’s urrar a smuaineachadh do na h-uile ainmhidh, agus cha leig mi-fein le cu a dhol idir am fagus do mo chrodh. Cha robh agam a riamh cu air m’fhearuinn araich, a tha gun gharaidhean, le 50 bo bhainne agus an luchd-leanmhuinn, agus air m’fhearuinn aig Conan tha agam am bliadhna 80 chiun spreidh, os cinn 20 a dh’eich, agus 650 a chaoraich gun aon chu air na laraichean. Thug mo bhuachaill ur leis 3 choin ’na chois, a shaoil leis a bhiodh air leth feumail d’a gu riaghladh an stoc, ach thug mi air gu grad 2 dhiubh a chuir air falbh uaith, agus ’am beagan sheachduinean an deigh sin dh’aontaich e fein ris an fhear eile a chuir uaith, a chionn gu’n robh e dearbhte as e ’bhi ni bu mheasa na bhi neo-fheumail. ’Se ’n fhirinn, ged dh’fhaodas cu a bhi ’an uairean feumail, tha e, le cuir eagal air crodh ’us caoraich, ag aobharachadh iad a bhi da uair cho fiadhaich ’us ullamh gu dhol air seacharan ’sa bhiodh iad air dhoigh eile. Ann an taghadh bo, tha na puincean a tha ri’n toirt fainear mar a leanas, agus tha mi ’cuir a chuid a’s feumaile air thoiseach; leud agus fad a droma oir leo sin a mhain imridh i ’bhi feumail—a reisd luirgnean goirid ’us cliathaichean fada—ceann beag, adhaircean finealt bog, uaine no buidhe—coat tiugh laidir de fhionnadh—an craicean fuasgailte, bog ’us sideach ri a laimhseachadh—agus an t-earbal tana agus finealta aig a bhun. Mucan.—An ath chuid do no bho tha mi a’ meas gur iad na mucan ainmhidhean a’s feumaile do’n choitear no ’n tuathan- [TD 162] [Beurla] [TD 163] ach beag,—gu dearbh tha a mhuc ann an seadh eigin na cuid de shoigh an luchuirt cho mor ’sa tha i feumail airson ’co-fhurt na teaghlaich a’s bochda, agus tha e a’ toirt dhomh fior thoil-inntinn a bhi a’ toirt aire gu m bheil sibh lion beagan ’us beagan a’ faighinn buaidh air a bharail fhaoin a bhac gus an am so iad a bhi air an cleachdadh gu pailt ’sa Ghaidhealtachd. Cia minig a bha mi air m’fhailteachadh a’ dol a seachad air cuid de bhothainean truagh le comhartaich ’us dragh 2 no 3 choin aingidh far nach robh aon fhail mhuc no comharraidhean co’fhurt sam bith ’gan tairgse fein mar dhearbhachd air sith ’as pailteas do’n teaghlach, a dh’fhaodadh a bhi a’ mealtuinn mir muic-fheoil cuid buntata uisgidh, gun chosd sia sgillinn ni’s mo na na chumadh suas na coin ud a tha na’n grainealachd chumanta. Tha fios agam air n-’ur freagairt, gur iad na coin peataichean ’ur cloinne, ach c’ airson nach toireadh sibh do n-’ur clann muc bheag mar pheat, agus an teagasg gu moch a bhi measail air sin a tha feumail, a roghainn air sin a tha aingidh? Cha’n urra’ ni air bith a bhi ni’s grinne no ni’s glaine na ’mhuc ma bhios aige gu leoir de bhiadh ’us leabaidh ghlan, agus bu choir do ’ur clann a bhi gu moch air an teagasg gu bhi dichiollach ann a chumail glan ’us co’fhurtach; oir air sin bithidh fhas agus a shult gu mor an earbsa. ’Se’n seors a mholain duibh, an seors beag geal le barr na’n cluasan air an tionndadh ’mhan, luirgnean goirid, corp co’-dhluth agus ceann beag air dheagh chumadh. Tha e gle chruadalach, a’ cothromachadh gu maith, agus a’ reamhrachadh gu furasda. Tha moran dhe ’ur buaidh an crochadh air an t seors; oir tha iomadh de na seorsan fad-chasach ni sam bith ach buannachdail. Tha leth-sheorsan dhuthaich Bheirc mar an ceudna luachmhor: gu dearbh bithidh muc sam bith buannachdail ma bhios i de luirgnean goirid agus gun ’bhi ro fhad anns an t-soic. ’Nuair a cheannaichear og iad cha bu choir an toirt ro luath bho am mathar, a thaobh gu’m bheil iad an sin ullamh gu fas tinn, ach ma bhios iad laidir roimh an cuir dheth am mathar is ainnig a bhios iad buailteach do thinneasan. Cha bu choir idir an cuir dheth ’m mathar roimh 6 no 7 sheachduinean a dh’aois, agus aig am am breith cha bu choir moran fodar a bhi ’san fhail air eagal gu’m saltrar air an fheadhainn og; no gu’n luidhear orra le ’m mathar. Gu tric feumar feitheamh air an t-sean mhuc air eagal gu’m mill i a h-al, agus bithidh 8 gu leor dh’i gu arach. ’Se ’cheud ni fail bhlath ullachadh a dh’fhaodas a bhi beag, ach a dh’fheumas aon earrainn di a bhi gu maith air a thubhadh agus am fosgladh [TD 164] [Beurla] [TD 165] a bhi ris an deas ma thairear. Ni leth a bhiadh n-’ur mucan arach ma bhios iad air an cumail glan, tioram, agus blath, ’sa dh’fhoghnas ann an ait fuar, fliuch, agus salach; agus bithibh cinnteach as, ma chumas sibh ’ur mucan co’fhurtach, gu’m paigh iad ’ur caoimhneas 10 fillte ann am feoil us bloinig. Is coir mar an ceudna aire ’thoirt do lar ’ur fail mhuc, agus a chuid dhi a bhios fo’n tubhadh air a thogail ni’s airde na cach, agus leacan a chuir air a chum gu’m faodar ann an aimsir bhlath a nigheadh glan ma bhios ’ur fodar gann, a chionn nach iarr iad leabaidh an am sin. Cha mhor nach beathaich ni sam bith ’ur mucan; rusg bhuntata, seamrag air a gearradh ’s air a goil, sneipean, corc, no eorna caol, agus sgribidhean ’ur n-amairchean fuinidh; cnodhan daraich, uisge-glanaidh ’ur poitchean ’s ’ur soithichean, gidheadh cha bhi biadh a’s fearr air a thilgeadh air falbh le thoirt dhoibh; agus ciod sam bith a bheir sibh dhoibh biodh e air a ghoil no air a bhlathachadh an toiseach, agus a reisd a chuir a seachad re fad la no dha mus cuirear am feum e, a chionn gur firinn aithnichte gur luaithe a dh’fhasas muc reamhar air biadh goirt na air biadh tur ur, agus ni leth na h-uiread de bhuntata air a ghoil, ’ur muc a chumail ’sa dheanadh le iad ’bhi eamh. Na leigibh idir leo a dhol air seachran mu’n cuairt a shireadh biadh, oir caillidh sibh leis sin anns na h-uile seadh; mur bi fainneachan na’n sroin tionndaidh iad anaird agus millidh iad ’ur fearuinn feoir, agus ma bhios fainneachan annta caithidh iad iad-fein ann an saothar dhiomhan gu cladhach. Tha gach la ’bhios muc fuasgailte na chall cinnteach, a thaobh inneir a mhain a bhi de mhor luach, agus cha bu choir da uime-sin dealachadh ri fhail cho’fhurtach bho a bhreth gus am feumar e airson feum teaghlaich. Tha eagal orm gidheadh gu’m bheil e cho feumail gu toirt dhuibh cuid de riaghailtean airson doigh a chuir air n-’ur cuid mucan ’nuair a bhios iad marbh ’san uair a’s beo dhoibh; oir tha e gle mhi-cheart an fheoil a ghearradh ’na mirean ’sa sailleadh, ach le hamaichean a dheanamh dhi ’sa tiormachadh an crochadh, tha agaibh annlann feumail le ’ur buntata, &c., ach beag gach la ’sa bhliadhna, agus bithidh an seoladh a leanas air fhaotainn gle ghasda. Anns a gheamhradh an deigh a mhuc a mharbhadh ’sa ghlanadh, faodar a chlosaich a chrochadh air oidhch: air an ath la, sin i air a druim air bord laidir, no being, agus gearr dhi an ceann dlu ris na cluasan, agus na cosan cho fada fo na h-uilt as gu fagail rum airson a crochadh orra. An ath ni, roinn a chlosaich an aird ’am meadhon cnaimh an droma [TD 166] [Beurla] [TD 167] agus le sabhadh, no gilb agus simid, gearr dheth na hamaichean. An fheadhainn dheiridh aig dara alt cnaimh an droma, agus an fheadhainn thoisich aig an aisinn a’s faisge do ’n t-slinnein far am faicear feith fhola, ni mur gearrar as i tha i ealamh gu ’mhilleadh. Thoir dheth croit gheur cnaimh an droma le do sgian ’sdo shimid, a reisd thoir na h-iomalan gu cruinn grinn dheth na hamaichean agus riaghailtich na cliathaichean. Feumaidh tu a nis leth cairteil peic de shalainn, aon unnsa saltpeter, cairteil unnsa de sal prunella, agus punnd de shiucar garbh a mheasgadh, agus na hamaichean ’us na h-earrainnean eile a rubaigeadh leis, agus cuir an corr air uachdar—leig leo luidhe mar so 3 no 4 laithean; a reisd cuir am measgadh rubaigidh ann an uiread a dh’uisge ’sa dh’fholaicheas na hamaichean, agus cuir ann salainn gus an snamh ubh ann. Goil agus siol e, agus ’nuair a dh’fhuaraicheas e, cuir na hamaichean ann re fad ceithir oidhch deug; a reisd tionnd iad, cuir tuille salainn orra; agus bruth iad gu socrach le bord agus cuideam os an cinn. Ann an ceithir la deug ni’s fhaide tionnd iad a rithist, agus an deigh luidh seachduin eile no dha bu choir an crochadh ’naird ann an ceo seimleir, agus na h-iomalan ri mulach rum blath gu’n tiormachadh. Feumar an ceann a roinn na dha leth le sgoltadh a chlaiginn, agus an uair a bheirear an eanachainn, na suilean agus an teangaidh as, tha e gu bhi air a ghreidhidh coslach ris na hamaichean. Bithidh agaibh a nis sliseag bhlasda de ham gu rostadh comhla’ ri ’ur n-uibhean, no thairis air n-’ur buntata, agus sliseag mhuic-fheoil reisgte comhla’ ri ’ur n-aran no cal aig laimh ge b’e uair a dh’fheumar e, agus ma bheirear an aire air gu caontach mairidh e eadhon ann an teaghlach mhor gle fhada, no faodaidh tu na caoban beaga a chaitheamh, agus na hamaichean a shailleadh, agus paidhidh iad uile chosdus biadhaidh ’ur cuid muc. Ni na cluasan, an t-earbull, an eanchainn agus criomagan beaga a ghearrar de hamaichean ann an cumadh, deagh mhios na dha air an deagh rostadh ann an aghann le beagan peabair ’us salainn. Tha’n t-atha ’nuair a rostar e mar an ceudna gle ghasd,—agus ma ghlanar a bhloinig, le a goil no a leaghadh ann an aghan air teine caoin, agus a reisd ma ghleidhear i bho ghaoth le a’ pacadh ann an aotroman, no’n soitheach criadhaich air a dhunadh dionach, cha’n e ’mhain gu’n gleidh i fada, ach is mor gur fearr i na im ann an aghann-rostaidh ’ur n-iasg ’sur buntata. Mar so tha gach earrainn de’n ainmhidh so air fhaotainn feumail, agus faodar gu fior a radh gur e a mhuc cairid an duine bhochd. [TD 168] [Beurla] [TD 169] An t-Each.—Thug mi fainear a bho ’sa mhuc an toiseach a chionn gu’m faod iad le ’cheile a bhi ann an seilbh an droing aig nach ’eil ach a mhain lios ri aiteach agus ruith ionaltraidh gu cuideachadh airson na ba: ach ge-b’e-uair a bhios aig duine ni’s mo na aon acair, tha e do-dheanta ann an staid shiobhalta na h-oibrichean feumail a thoirt air adhart gun chobhair saothair ainmhidh. Tha mi ’radh ann an staid shiobhalta no rianail, de bhrigh ge b’e ait am bheil na boirionnaich air an cleachdadh, mar is tric a tha mi a’ faicinn, ann an traillealachd na beatha, feumaidh mi am meas mar dhaoine borb iad-san nach d’ionnsaich bho ’n diadhachd a bhi ag altrum agus a’ mealtuinn an tiodhlaic thalmhaidh a’s mo a thugadh a riamh do dhuine le a Chruthaighear fhialaidh. Am bheil mi ma ta a’ meudachadh na cuis ’nuair a deiream gu’m bheil sibh ro thrice ag isleachadh an cuspair a’s finealta de nadur cruthaichte a chum a bhi na traill agus na beathach eallaich, agus gu’m bheil mo chridhe a’ sileadh na fola ri ’bhi a’ faicinn ’ur mnathan agus ’ur nigheanan, gu dolaidh ’dheanamh do’n cuirp agus gu milleadh am maise, a’ cromadh fo shaic mhoine agus mhathachaidh, an fheadh a tha an companaich no am braithrean an sas ann an oibir a’s furasda: oir biodh fhios aig gach neach ’nuair nach toirear do na boirionnaich an speis sin a tha dligheach dhoibh—an uair nach suithichear iad mar a dh’orduich Dia anns an t-shuidheachadh shocrach, na co’-chuidiche, tha an duine nach dean sin fo chomharraidhean fear-allaidh no an-iochdmhor. Cha’n urra dhomh cainnt ro laidir a chleachdadh air a phuinc so, a chionn gur ni e ris am bheil an duineachd fo ghris agus oillt, agus a chionn, air cho deigheil ’sa tha mi gu faicinn aineolas air a ruagadh air falbh agus siobhaltachd air a toirt air a h-adhart air feadh an t-shaoghail uile, gu’m feum mi a bhi dubailt deigheil gu fhaicinn smal air a glanadh air falbh uaibh-se ris am mo am bheil mo ghnothuich. Chuirinn uimesin le toil-inntinn failt air an nuaidheachd gu’n robh Barraichean-cuibhle agaibh-se uile an ait nan cleibh agus gu’n do cho-cheangail nabuidhean ann an cumail each beag no gearran eatorra ’nuair a bha na roinnean fearuinn beag, no gu’n robh aig gach aon each no dha do reir meud am fearuinn. Ni deagh ghearran le da chliabh (faic an dealbh) uiread ann an la ’sa b’ urradh ’bhi air a ghiulan le ceithrear bhoirionnaich, agus a reisd dh’atharraichinn ainm an eich agus theirinn ris, cairid nam boirionnaich. Labhair Martin Doile ann a litir gu a luchd-duthcha gu h-arda an aghaidh ’bhi cumail eich le [TD 170] [Beurla] [TD 171] Tuath-choitearan beaga, agus gu cinnteach ma chumar iad airson marcachd gu feilltean na gu reiseachd leo, do ’m bheil ’ar cairdean Eirinneach gu mor air an toirt, is beag feum a bhios annta airson tuathanas, ach do gach aon aig am bheil os cinn acair fhearuinn agus a tha deigheil air togail lon gu leoir airson a theaghlaich, tha seirbhis eich air leth feumail. Ann an iomadh choirean tha mi ’smuaineachadh gu’m biodh e iomchuidh dhuibhse na h-uiread ’sa bhliadhna a phaidheadh do nabuidh airson feum a chuid eich cho liugha de laithean aig amain araidh de ’n bhliadhna, agus na’n co’cheangladh na h-uiread de mhuinntir airson na h-uiread de bhliadhnaichean ’san doigh so, bhiodh suim air a dheanamh cinnteach a dh’fhoghnadh gu thoirt air aon tuathanach airgiod a chuir a mach ann an ceannach ’sann an cumail ’naird eich airson an toirt air dhuais do a nabuidhean. Dh’fhaodadh moran a bhi mar so air a dheanamh le seoltachd ghlic airson 20 tuathanach beag aig am biodh aig gach fear 2 acair ’us leth acair fhearuinn aitichte, b’ urrainn doibh 20 tastan am fear a thoirt, agus airson an t-suim sin mor chuideachadh ’bhi aca ann an cuir air adhart an oibre. Mar so faodar a chunntadh le 2 acair ’us leth-acair an sas agus fo dheagh thuathanas, gu’m bi leth-acair ri threabhadh ’naird bho sheamrag airson coirc, ’us bithidh mar sin 10 acairean ameasg 20 tuathanach: agus a thaobh gu’m bi na mirean rud-eigin sgapte, cheadaichinn 3 seachduinean ’an ceud mhios an Earraich airson a dheanamh, a’ tarruing chruinn a thaobh co an grunn ris am bu choir toiseachadh an toiseach, agus fagail seachduin airson treabhadh cuid fhir na’n eich fein. A risd bhiodh leth-acair eile air a threabhadh airson eoirne no coirc an deigh bhuntata ’san t-sneip an uiridh, agus dh’fhaodar so a dheanamh gu furasda ’san doigh cheudna ann am Mios a Mhairt. A thaobh gu’m biodh earrainn mhoir de ’r mathachadh ri bhi air a ghiulan a chum an raoin agus an sin a chuibhrigeadh ’naird gus am feumar e le seirbhis an eich airson ceithir la; 2 ann am mios dheireanach a gheamhraidh agus 2 ann ’mios dheireanach an earraich airson gach fear dhiubh; ni a b’ urrar gu furasda a dheanamh agus gidheadh uin a leor a bhi aig fear na’n eich gu saothrachadh fhearuinn bheag fein. Le leithid so de chobhair dh’fhaodar faighinn ’tre mhoran ni’s mo de dh’oibir na aig an am so, agus dh’fhaodar talamh bhuntata ’san t-shneip a ruamhradh leis an spaide ni a chuireas e ann an cor a ’s fearr ’s ’us glaine na b’ urrar a dheanamh mar a b’ abhaist leis a chrann. Theagamh [TD 172] [Beurla] [TD 173] gu’m faighear la na dha a rithist ’san fhoghair, am an fheoir, no gu toirt dhachaidh buntata; ged dh’fhaodar sin a dheanamh leis an teaghlach, cho maith ri toirt cuid de na mhathachadh ann am Barraichean-cuibhle gus a chuid a’s faisge de’ n talamh. Gu labhairt gu coitchion, chomhairlichinn each a bhi air a chumail eadar gach dithis nabaidhean, air chor’s gu’m biodh da each airson treabhadh ealamh airson fear sam bith de na cheithrear thuath. No, ’nuair a bhios na tuathanais ni’s mo, feumaidh aon each no ni’s liugha a bhi air a chumail leis gach fear. Is urrar so gu furasda a riaghladh do reir chuisean, ach cha choir aon each a chumail thar na dh’fheumar airson saothair, a thaobh gur e sin an t-aon doigh ’san urra e paidheadh airson a ghleidhidh, agus anns gach cuis biodh ’ur n-each air a chumail ann an deagh shult feola. Cha’n’eil ni a ’s mi-bhuannachdaile na each oibreach gortach; oir a thuilleadh air deanamh beag oibir, bithidh an t-ainmhidh truagh neo-chomasach gu deanamh sin fein gu maith no gu luath. ’Se ’n cunntadh cumant gur leor da each air an deagh chumail gu aiteach 50 acairean, no 12 eich airson 350 acairean, ach is gann 2 each airson cho beag ri 50 acair, a chionn gu’m bi iomadh gnothaich fheumail eile ri dheanamh a chuireadh feum air tri-amh each: air an aobhar sin chanainn gu’m b’ fhearr 70 no 80 acair a ghabhail cuideachd, agus dheanadh tri eich a reisd an oibir aig an aon chosd ’sa dheanadh iad 15 no 20 no ni’s lugha. Ma bhios agaibh mir de dh’fhearuinn bhochd bhan dlu dhuibh cuiribh e le conasg a tha na lon comharaichte airson eich ’sa gheamhradh. Faodar a ghearradh le clann agus an deigh sin a bhualadh le suist, gu bruthadh an fhiodha, no a phronnadh min le sgionan, ni a’s fearr a chionn gu’m bi ni’s mo de’n t-suth air a chumail na ’nuair a bhruthar e le bhualadh. ’San doigh so faodar cairteal acair a bha a roimhe neo-fheumail a bhi air a dheanamh freagarach gu cumail suas each, agus le beagan fodrach a chumail reamhar agus sleamhain, an ire mhaith re fad uile mhiosan a gheamhraidh. Anns an t-samhradh ma tha ’ur n-’eich air an tionndadh ’mach gu feurach, agus ma’s fheudar maille a chuir orra bho dhol thar chriochan le an cosan a cheangal, biodh na cuibhrichean gu toigheach air an deanamh de chraicionn, agus air a dheagh lionadh agus air a linigeadh le cloimh no a leithid sin de ni bog. Ach is e an doigh a’s fearr mir fiodha 2 throidh ’us leth throidh fhada agus 3 no 4 eorlaich thiuighead a cheangal ri aon chos, agus atharrachadh ma’s e ’s gu’m bi an craicionn [TD 174] [Beurla] [TD 175] air a rubadh dheth: Bhur doigh an trathsa air ceangal an cosan le ropain beatha is borb e cho maith ’us is an-iochdmhoir e, agus tha e cinnteach gu dolaidh ’dheanamh do shubailteachd na’n luidheanan le fada chleachdadh: an aite sin tha am maide a cheart cho eifeachdach agus ni’s lugha dolaidh. Ach gu dearbh is gann is coir do eich oibrich, coslach ri crodh bainne, cead idir fhaighinn gu ionaltradh, oir sgiosaichidh iad iad-fein le siubhal a’ sireadh lon, bithidh dragh air a chuir orra le uisge fuar no cuileagan, agus caillear gu tur am mathachadh luachmhor le e bhi ruisgte ris an aimsir air dha tuiteam uatha ’s na raointean; Gidheadh, faodaidh eich og dhiomhan ruith a mach aig na h-uile am; oir tha’n t-each na ainmhidh gle chruadalach: Ach feumaidh an t-each oibrich airson fois an uin am biodh e ’san raon a’ sireadh a lon, agus is deagh choirc, feursaidhe, peasar-eich, agus seamrag air a buain, an ni, mar dheagh sheirbhiseach, air am bheil coir aige duil bhi ris. Biodh ’ur coirc air a bhruthadh ’sa mhuileann, air a ghoil no air a bhogadh mus toirear e dhoibh, agus fos air a mheasgadh le moll, feur proinnte, no fodar, agus bithidh iad moran ni’s beathachaile na ’nuair a bheirear e slan agus tioram dhoibh: Tha eorna caol no cruithneachd caol mar so air a chleachdadh na bhiadh gasda airson eich agus le chrathadh thairis le salainn gheibhear e gle tharbhach dhoibh. Ann an ceannach each tha tearc de chomharraidhean a sheolas sibh ni’s fearr na beachdan foghluimte fada air bith air na caochladh puincean oirdheirceis. Ma tha aig each ceann beag agus cluasan goirid biorach air cumadh cluasan sionnaich, earb ris nach h-urrainn thu dhol dochair ann a cheannach. Gu dearbh tha an teist so cho chinnteach ’s nach luaidh mi ach a dha eile; luirgnean goirid agus aisinnean cruinn air chumadh baraild, air dhoibh a bhi cho dlu ’sa ’s so-dheanta do chnaimh na sleisd, no na cruachainn. Cha’n’eil deagh each air bith gun aon de na puincean so, agus aig na h-eich a’s fearr tha iad uile. Anns an aite am bheil sibhse, far am bheil agaibh beag oibre ’san t-samhradh tha cumail lair-eiche gle iomchuidh a thaobh mur toirear orra cuideaman trom a ghiulan air an druim faodar an cleachdadh gus an uair am bi searraich aca, ach feumar beagan laithean fois a leigeadh leo an deigh in agus oibir ni’s eutrom. Gu dearbh cha’n’eil mi a’ faicinn c’ airson nach fhaodadh sibh ’ur crodh a chleachdadh ’an uairean airson oibir raoin, an darna cuid ris a chrann no’n cairt, oir tha mi ’ga fhaicinn gu conn- [TD 176] [Beurla] [TD 177] bhaileach air a dheanamh ann an Tuscanie agus ’an Suitserland, agus ma bhiadhar gu maith iad, cha chuala mi riamh gu’n d’rinn e ’n ciuradh no am bainne a laghdachadh. Bibh gle thoigheach ann an taghadh stalain, agus paidhibh airgiod air bith airson deagh fhear a roghainn air fear suarrach a nasgaidh. Bu choir da bhi aige, ceann beag, cluasan goirid, suilean a’ seasamh ’mach, luirgnean goirid, broilleach farsuing, agus aghaidh arda. Feumaidh a ghairdeanean ’sa shliasdan a bhi leathan ’us feitheach, druim direach ’us leathan, agus a bhodhaig fada, ach gun mhor fheadh ’san loch-bhlian eadar na h-aisinnean ’us cnaimh na cruachainn. A Chaora.—’Si Chaora an t-ainmhidh tighe a tha a’ seasamh an deigh an eich a thaobh feumalachd, ged nach ’eil i gu cumanta ri bhi air a moladh ann an tuathanais bheag a chionn gu’m bheil iad gu nadurach na’n seors seachranach, gu h-araidh na seorsan cruaidh, agus cinnichidh iad ni’s fearr air grunn farsuing far nach ’eil an aomaidhean nadurach buailteach do bhi air am bacadh. Ach ma tha agaibh ionaltradh farsuing am fagus duibh faodaidh beagan chaoraich a bhi feumail, ged nach biodh ach a mhain airson na cloimh, agus bheir sin oibir airson feumalachdan do bhoirionnaich ’ur teaghlaichean anns na feasgarean fada geamhraidh. An ait an t-seors bheag fhiadhaich a bhuineas a theagamh do n-ar duthaich fein, no an seors dubhoadainneach a’s fearr, mholainn gu laidir dhuibh seorsan a thoirt a steach bho sheorsan Leicester no Chebhiot, agus sin airson na’n reusonan cuideamach so a leanas; gu’n cothromaich iad 6 uiread ri caoraich na duthaich so: gu’n ruig iad moran ni’s luaithe aig meudachd, air dhoibh a bhi iomchuidh airson an fheoladair aig aois 18 mhiosan no 2 bhliadhn, gu’m bheil an teachd a mach ni’s mo bho ’na bheireas iad 2 uain gach te aig aon bhreith; gur iad a’s neo-sheachranaiche na’n cail, agus uime sin nach fheum iad uiread de bhuachailleachd: gu’n toir iad a mach tomhas mor de chloimh a bheir barrachd air cach; agus cha’n ’eil mi a’ faicinn reuson airson nach b’urrar, leis na meadhonan a th’agaibhse, an arach an eatoras mhaith, agus a chum buannachd ni’s mo dhuibh na an seors ainmhidhean goirteach a th’agaibh an traths’. An ni a tha an aghaidh toirt a steach seorsan finealta le tuath mhor chaorach, is e gu’m biodh e do-dheanta an aire sin a thoirt dhoibh a dh’fheumadh iad aig am breith uain, no anns an t-sneachd. Ach maille ribhse, cha’n ’eil a leithid sin de dhoilcheas, oir an uair nach ’eil aig duine ach 2 no 3 chaoraich ’s urrrar gu furasd’ an caithris ann an [TD 178] [Beurla] [TD 179] sneachd, no an cuideachadh ’an am breith uain. ’S urrar an cuir a steach ’san dion’ bho stoirmean; ’s urrar an cobhar air uairean le lamh-bheathachadh, agus aire a thoirt do chiad thaisbeanadh brisidh ’mach, no euslaint air bith eil gun dail. Ach cha’n ’eil sibh gu duil a bhi agaibh ris na buannachdan bu choir sruthadh bho sheorsan luachmhoir, ma mhaireas sibh an doigh a th’agaibh an traths’ air cumail cus stocadh, agus air lorg sin goirte. Feumaidh sibh dealachdan ri 3 de n’ar 6 chaoraich bhochd thruagh, agus reith Cheviot, no reith maith eile fhaotainn airson chaich. Feumadh sibh an lomradh a mhain aig an am a chomharraicheadh ’mach le nadur, ’nuair a thig an aimsir bhlath a steach, agus cha’n ann mar an traths’ ’ur dicheall a dheanamh gu reubadh barr bochda cloimhe da uair ’san aon bhliadhna. Cha’n fhaod sibh a leigeadh le ’ur clann sugradh dheanamh dhoibh-fein, no eadhon le ’ur buachaillean dragh a thearnadh dhoibh-fein, le cleachdadh choin air gach aobhar air bith mu’n timchioll. Oir ma bhuineas sibh ri ’ur caoraich gu caoimhneil, caillidh iad am fiadhaichead nadurach, agus bu luaithe a chaillinn caora an traths’ ’sa ris leis an t-sionnach na mo threud fhaicinn 3 no 4 uairean ’san la air an cuartachadh le coin, agus dragh air a chuir orra bho an ionaltradh. Gu dearbh tha comhartaich choin na phuision do shoirbheachadh treibhe shiothachail chaorach, agus cho eagallach a ta iad, ’san uair a chuirear a steach iad air sneipean airson am biathadh, cuiridh latharachd choin a mhain aig sailean a bhuaichaill stad orra bho bheathachadh gu caoimhneil agus gu luaith. Cha’n ’eil agam ach beag amharus nach faod sibh le curam ’us aire caoraich arach cho maith ’s gu’n cuireadh iad iongantas air a ghinealach a ta lathair, cho mor ’sa chuireadh moran de na treudan a tha’n tras air moran de n-’ur cnuic air n-’ur sinnsirean bho chian 60 bliadhna, ach cha’n ’eil mi idir an an-earbsa’ nach fhaic mi leasachadh mor air a dbeanamh ’san earrainn so de thuathanas. Faodaidh nach faic mi caoraich de’n aon mheud riu-san a th’air an arach ann an raointean shaibhir dhuthaich Leicester; ach tha duil agam fhaicinn agaibhse ainmhidh moran ni’s luachmhoire anns na h-uile puinc na na creutairean acrach lom a tha nis a’ ruith air feadh ’ur n-ionaltraidh. A Ghabhar.—Is ainmhidh a Ghabhar a bha aon uair cho chumanta do na Ghailteachd ’s gum feum mi a thoirt a steach ’an so, ged nach ’eil sealtuiun orra ach mar lorgan neul [TD 180] [Beurla] [TD 181] sin an aineolais a chomhdaich uaireigin ar sinnseara allaidh borb. Tha’n t-ainmhidh so a nis dlu air a bhi air a ruagadh air falbh bho gach spot air an tairear ruigsinn le caoraich, agus mheas mise e ceart cathachadh ris an t-seann chlaon bhreith a bha air an son, agus an toirmeasg bho m’ oighreachd fein, ach fathast faodadih aitean a bhi cho chreagach ’s nach ruig caoraich orra, agus ’n uair a ’surrar beagan ghabhair a ghleidheadh ann an staid fhiadhaich, agus an glacadh ’san reic ’nuair a bhios iad reamhar, faodaidh dragh comharrachaidh nam meann agus glacaidh nan gabhair shean a bhi air a phaigheadh le an reiceadh. Ach cha’n ’eil a ghabhar coslach ris a Chaora, ’toirt barr cloimh sa bhliadhna. Agus ged fhaodar beagan bainne fhaighinn uaipe gu trathail ’san Earrach, gidheadh ’sa choir sin feumaidh sibh an cumail air n-’ur grunn iosal bu choir a ghleidheadh airson ainmhidh a’s fearr aig an am sharaichidh sin de na bhliadhna. Le seann bharail bha bainne ghabhair air a mheas ioc-shlainteil, agus a roimhe so b’abhaist do mhuinntir euslainteach feum fhaighinn bho chomhnuidh ’am measg n-ar beanntaichean agus an leigheas a chair as leth buaidh bainne nan gabhair; ach tha a bharail sin gu teann a’ caitheamh air falbh, agus tha sluagh an nis dearbhte as ge b’e ath’rachadh fabharach a dh’fhairich iad ’nan slaint, gur ann a bha e na thoradh air atharrachadh agus fallanachd an ailidh, simplidheaehd an loin, pilltinn gu uairean na fois a tha nadurach do dhuine, socair inntinn ’us samhchar beatha uaigneach, agus a bhi air an gluasad bho amaideas agus droch-bheusan a tha a ghna air an gintinn ann an staid dhomhlaichte sluaigh, ’s nach h-ann air feartan air bith a tha ann an bainne cubhraidh na gabhair bhoirionn shiubhlach. Chomhairlichinn uime sin, gu’m biodh iad air an cumail ann an aitean arda creagach, gn’m biodh iad air an iomain cuideachd gu luath ’san t-shamhradh ’nuair a dh’fheudas na meinn a bhi air an glacadh, air an spothadh, agus air an comharrachadh, agus gu’m biodh iad air an leigeadh dhol fiadhaich a rithist gus am bi iadsan a tha iomchuidh airson an creic ri fhaighinn ’san fhoghar. Eoin Thighe.—’Se so an t-aon chean co’cheangailte ri nithe beo na tuathanais ris nach do bhean mi, agus tha an riaghladh cho cumanta do gach bean ’us leanabh ann an ceithir earrainnean an t-saoghail, ’s gum faodar a shaoilsinn gur beag a b’urra dhomh-sa ’thairgse airson ’ur toirt fainear, agus gidheadh ’nuair a chuimhnicheas sinn an lionmhoireachd eoin a tha air an caitheamh, an luach ann an Lunnainn amhain a’ ruigsinn gu ceud mile pund Sasuinneach ’sa bhliadhna, agus am mor thoradh ann an uibhean, is cuideameach a phuinc e airson gach [TD 182] [Beurla] [TD 183] coitear; oir bu choir a bhi aig gach aon diubh, aig a chuid a ’s lugha, 3 no 4 chearcain, an fheadh a dh’fhaodas, ann an garaidhean tuathanais an aireamh agus an caochladh seorsan, mar thonnagan, phulaidhean, &c. a bhi a reir an tomhais sil a tha coslach ri ’bhi gu do-sheachanta air a sgiotadh, agus a bhiodh gu tur air chall mur biodh iad-san ann, ullamh gu stad a chuir air an ana-caitheamh neo-fheumail so. ’Se so a mhain a tha leigeadh le eoin ’us uibhean a bhi air an creic cho saor; oir nan robh an lon uile air a cheannach, bhiodh an cosd ceithir fillt, agus cha’n ’eil mi ’n teagamh nach ’eil daoine uailse a’ paigheadh aig a chuid a ’s lugha 5 tastain airson gach isean a tha air arach ’nan cuid garaidhean greadhnach fein. Ann an labhairt mu na seorsan a tha ri’m faotainn anns an duthaich againne, toisicheam leis an eun chumanta, mar a bhi an t-eun a’s luachmhoire a th’againn, co dhiubh bheir sinn fainear a bhuaidhean cruadalach no am meas cumanta ’tha air aig gach bord bho’n aon a’s ilse gus an aon a’s airde; ach tha an seors eoin a tha agaibhse cho measgte agus gu minig air am milleadh ’s gu’n comhairlichinn dhuibh thoirt na’n ait na Dorcaich le luirgnean geala ’us cuig meoir, air neo an seors dubh Spainneach le cireanan mora ’us luirgnean geala a roghainn air an t-seors bheag thruagh a th’agaibh ’s a chumantas. Tha an da sheors so na’n deagh eoin bhreith, a’ toirt uibhean mora, gu furasda air an deanamh reamhar, gun dhol fad as bho’n dachaidh, agus a’ toirt pris ni’s airde ’san fheill na seorsan air bith eile. Gun amharus, maille ris na h-uile eoin, tha iadsan aig am bi luirgnean geala gu bhi air an roghnachadh, ach tha na seorsan seilg le luirgnean uana no buidhe gu cumanta gu bhi air an seachainneadh airson iad a bhi maoth ri arach an fheadh a tha iadsan le luirgnean dubh gun a bhi cho measail air feill, airson am feoil a bhi dorcha, agus ciod air bith an dath ma bhios an luirgnean fada cha’n fhiach iad an cumail. Na puincean sonruichte ri thoirt fainear maille ri eoin, is iad uibhean, arach, ’us deanamh reamhair, agus freagairidh mo bheachdan do na seorsan uile a luaidheas mi an deigh so cho maith as do na chearc chumanta; oir cha’n ’eil a run orm idir sgribheadh air na muirnealachdan air am bheil cuid cho deigheil, agus faodaidh na h-uile a mholas mi a bhi air a chleachdadh le gach neach gun chosd ni’s mo na ’s abhaist a chuir a mach. Uibhean.—Si nead a cheud ni ri aire a thoirt, agus bu choir a suidheachadh ’san tigh-chearc cho fada bho an iris ’sa tharar, air dhoigh nach bi dragh air a chuir aig am sam bith air na h-eoin, aon chuid aig breith no air ghuir. ’Siad bascaidean, [TD 184] [Beurla] [TD 185] tha mi ’smuaineacheadh, as fearr na bocsan, agus ged is beag a dh’fheumar a dh’fhodar, biodh e a ghna air a chumail urail ’us glan, oir mur toirear an aire do so, bithidh na h-uibhean air am milleadh ann an tearc a dh’uairean an deigh am breith. A chum uibhean a ghleidheadh urail ’us maith, bu choir an cuir gun dail ann an soithichean lan de bhurn aoil, no an suathadh thairis le geir mhuilt no le bloinig, agus an suidheachadh air an cinn; oir ma chuirear air an taoibh iad, ceanglaidh am buidheagan ris an t-slige ni a mhilleas iad ma ghleidhear fada iad. Na cleachd im gu suathadh uibhean leis, oir fasaidh e gu luath grod agus millidh e iad, ’s na leig leo-san a shuathar le bloinig a bhi osceann mios gun tionndadh ’s gun ath shuathadh; ach ’se uisge aoil doigh moran a’s saora agus a’s lugha dragh; oir gleidhidh iad mar so gu maith airson 6 miosan ma thionndar an uairean iad. Cha’n ’eil ni air bith a’s mo a chuidicheas gu thoirt air ’ur cearcan breith gu pailte na blaths, agus ma bhiadhar ’s ma chumar socrach deagh chearc ghearr luirgeanach, beireas i 150 a dh’uibhean, a thuille air al eoin arach gach bliadhna. Is droch ghleidheadh uime-sin a bhi a cumail cus chearcan leth ghortaichte; oir bithidh 3 no 4 air an deagh bhiadhadh ni’s luachmhoire ma bheirear an aire dhoibh na bhios a dha uiread air dhoigh eile; agus mur bi ach 6 cearcan air an gleidheadh ri aon choileach bithidh ni’s siol-mhoire na ’nuair a bhios an aireamh chearc ni’s mo. Air do bhlaths a bhi cho feumail, cha’n ’e ’mhain gur coir ’ur tigh-chearc a bhi le aghaidh ri deas, agus a bhi saor bho aitidheachd no thungaidheachd, ach a bhi air a thogail air dhoigh gu’m bi blaths seimleir a ruigsinn air, agus is furasda so a dheanamh le leac mhoir a bhi an ait balla tiugh aig culaobh ’ur n-aite teine, agus an an tigh-chearc a shuidheachadh ris sin air a chul; no ma’s ann ’am meadhon ’ur tigh a bhios an seimleir, faodar aite beag freagarach airson iris do 5 no 6 chearcan a chuir a naird ris an t-seimleir os ceann an tubhaidh, agus na neid a bhi ’sa bhathach, far nach faod na h-eoin a bhi idir air an leigeadh gu spardan, a thaobh gu’n loisg ’s gu’m mill an inneir an crodh. Cha’n ’e ’mhain gu’n robh aig na Eiphitich an tighean chearc air am blathachadh, ach thug iad a mach miltean a dh’eoin ann an aghannan blathaichte, agus tha tunnagan og luathrach a nis air an arach le steama airson feill Lunnuinn. Tha’n Tunnag na eun gle’ fheumail ma tha agaibh puill [TD 186] [Beurla] [TD 187] no sruthanan laimh ribh. Beiridh iad moran uibhean ’san earrach, agus araichaidh iad an al le gle bheag cuidichidh; ach cha’n fhaodar leigeadh le tunnagan og a dhol gu mor ann an uisge gus am bi iad seachduin a dh’aois, a chionn gu’m bheil iad ullamh gu basachadh le fuachd. Ma bhios poll, no magh dlu dhoibh, far an urra’ iad deanamh air an son fein, cha mhor aire no siol-bhiadhadh a ruigeas iad a leas thairis air a cheud bheagan laithean, a thaobhg ur meanbh bhiastagan am biadh a’s annsa leo. Bhiodh 6 tunnagan, tha mi saoilsinn, ni b’fheumail do theaghlach dhuine bochd ’san earrach, na a ghabhar as fearr, agus ann an coimeas neo-chosdail, s’ gun leth a dhragh a thoirt do neach. Tha aon rac gu leoir airson 6 tunnagan. Tha Pulaidhean nan eoin bhriagh agus luachmhoir, ach cha’n ’eil iad gu furasda air an arach, agus ithidh iad moran. Ma chuireas sibh na h-uibhean fo chearc chumant, agus a cumail a steach, a’ leigeadh leis na h-iseanan ruith mu’n cuairt agus caochladh biadhan a thoirt doibh, le’m biadhadh air deanntagan prointe agus blathach no bainne goirt, gruth ’us min-choirc, cinnichidh iad an eatorras mhaith, ach feumar an dion bho fhluichadh cho mor ’sa thairear, mar a’s coir a rireadh na h-uile eoin ’nuair a bhios iad gle og. Gu faighinn gruth aig am sam bith, cha ruig sibh leas ach mir a dh’alum a ghoil anns an tomhas bainne blath a dh’fheumar, agus bithidh e deiseil ann an uair do rabhaidh. Cha ruig Geoidh a leas ach beagan toigh, ach salaichidh iad moran de thalamh feoir, ma bhios moran diubh air an cumail, agus tha iad gle challdach anns an iadhlann, le spionadh ’mach arbhair as na cruachan; ach far am bheil uisg no blar gu biadhadh air, faodar gu buannachdail an arach, agus faodaidh dusan a bhi air an creic ’sa bhliadhna le coitear, le gle bheag chuir a mach. ’Nuair a thig an t-al a mach as na h-uibhean, na leig ar seachran iad, ach na duin a steach am mathar. ’Se garadh no sabhal falaimh an t-ait a’s fearr airson a cheud seachduin, ’gan leigeadh a mach 2 no 3 uairean gu biadhadh air feur. ’Nuair a bhithear airson am biadhadh airson feill, cuiribh iad air ur n-as-bhuain, agus aig an tigh, biadhaibh iad air sneipean eamh prointe, agus uisge le gle bheag coirc no eorna. Tha mi a nis a’ co’ dhuineadh a chinn so le toirt fainear, gur ceann e nach ’eil idir neo-thoiltinneach air ’ur n-aire; oir faodaibh suim nach beag a bhi mar so air a thionndadh thairis gach bliadhna le bean-tighe churamach choitir, le beag [TD 188] [Beurla] [TD 189] saothar agus beag chuir-amach. Gheibh na h-eoin, na h-uibhean, agus na h-itean uile luchd-ceannach, agus faodaidh an toradh a bhi gu h-iomchuidh air a chuir a mach le boirionnaich, na teaghlaich air na goireasan beaga ud a leigeas a ris an aon uair am blas agus an deagh riaghladh. EUSLAINTEAN. Tha na h-euslaintean do’m bheil na caochla sheorsan ainmhidhean-thighe buailteach lionmhor agus iomadh-fhillteach, ach ann an leithid de leabhar ghoirid ’s a tha’n te so, cha’n urrainn duinn ach beachdachadh air na h-euslaintean a’s cumanta do’r duthaich fein, agus bheir mi steach bho chaochla’ ughdairean na meadhonan leighis agus na doighean a’s simplidhe. EUSLAINTEAN CHRUIDH. Tha Sgaineadh Chruidh, bho itheadh cus seamraig, no buntata, &c., cha’n ’e ’mhain cumanta, ach gle mharbhtach. Tha cuir trompa inneal Enema Mhr. Reid, an uair a bhios e aig laimh an ire ’bhi na leighis cinnteach. Tha probang Dhoctair Munro, mar an ceudna, na mheadhon leighis shabhailt, agus mur urrar fhaighinn, faodar laimh cuip fhada chairn, le cnap de ni bog sam bith air a ceann a chuir gu socrach a sios ’san scornan, a steach do na stamac, air chor as gu’n leig e as a ghaoth. Tha deoch laidir de burn ’us salainn air a thoirt, mar an ceudna eifeachdach, agus ann an cuid de choirean tha ola air a moladh, agus mur bi meadhon leighis air bith eile aig laimh, ’s urrar sgian pheanaichean gheur a chuir a steach eadar cnaimh na cruaichuinn agus an aisinn mu dheireadh air an taobh chearr, agus an deigh sin piob de it, no rud-eigin gu cumail an tuill fosgailt a chum a ghaoth a leigeadh as. Tha Uisge Dearg, no teas ata nan airnean ni’s fearr air a leigheas le tric chliostairean blath, agus cuir uisge blath ris an druim agus ris na leasraidh. Feumar nithe fual-bhrosnachaidh a sheachnadh. Tha iomadh a toirt tomhasan de mheog ri ol. Tha Breigh Laoigh gu tric cunnartach bho thighinn tarsuing. Ann an leithide sin de choirean, cha’n ’e ’mhain maille ris a bho, ach fos maille ri laraichean ’us caoraich, &c., tha na h-uile oidhirpean ainneartach gu tharuing air falbh cunnartach. Cho luath ’sa thaisbeanas an ni mi-nadurach, feumar [TD 190] [Beurla] [TD 191] a chuir air ais leis an laimh gu socrach mur bi pian a lathair, agus a thionndadh gu a shuidheachadh ceart, an deigh sin faodaidh cuideachadh seimh a bhi air a thoirt, ach a mhain an uair a bhios an t-ainmhidh ann an ospagan na saothair. Tha Lobhadh fos na ghalar cumant’, agus gu coitchionn ag eiridh bho dhroch bhiadh ’us caramh neo-churamach. ’Siad biadh tioram beathachail, blaths, agus an uairean tomhasan de ola Chastoir, na leigheasan a’s fearr, agus faodar salainn a thoirt ’sa bhiadh ann an tomhasan beaga le deagh eifeachd. Tha ’m Bracsie cumanta araon do chrodh ’us chaoraich, agus tha e gu minig gle sgriosail. Bu choir lan an duirn de shalainn tioram a chuir a sios ann an sgornainean nan uile chruidh og gu trathail ’sa gheamhradh mus cuirear a steach iad, agus ma dh’fheumar, faodar fuil a thoirt dhiugh. Feumar an ait ’sam biadh a chaochladh, agus toigh a thoirt gu gluasad ceud thaisbeanadh teannachaidh mhionaich le toirt purgaidean, sneipean agus biadh lasachaidh dhoibh. EUSLAINTEAN MHUCAN. Gu fortanach cha’n ’eil na Mucan buailteach do mhoran euslaintean, agus air an aobhar sin is beag aire a bha air a thoirt do’n chuis so le luchd-sgribhidh mu euslaintean bheathaichean. Tha ola air a toirt an leth-stigh air a moladh, agus tha nigheadh ann am burn blath a toirt mor shaorsainn; ach sa chor so bu choir an deagh thiormachadh agus an rubaigeadh an deigh sin gu bacadh fuachd. EUSLAINTEAN EICH. De na h-uile ainmhidhean a bhuineas do thigh, ’s e ’n t-each a’s buailtiche do euslaintean agus thubaistean de iomadh seors, agus tha eolas leighis bheathaichean a’ tighinn air adhairt gu cabhaigeach a nis, air chor’s gu’m bheil an leighichean ach beag cho sgilear sa bha ’ar leighichean fein o chian beagan cheudan bhliadhnaichean. Gu sealbhach airson tuathanaich tha euslaintean eich ni’s buailtiche dhoibhsan a tha air an cumail airson soghalachd, agus dhoibhsan a tha airson coslais air an atharrachadh bho’n staid nadurrach mar nach eil iadsan a tha air an cleachdadh ri gnothaichean tuathanais. Cha’n ’e ’mhain gu’m bheil an t-each reise gearr-bheathach, ach ’s iad tubaistean agus tinneas a luchd-feithidh chonnbhaileach, ach basaichidh an gearran air n-ar cnuic Ghaidhealach aig lan shean aois gun lanns a riamh fhair- [TD 192] [Beurla] [TD 193] eachdainn no bhi tinn le aloe searbh leighich sheolta eich. Gidheadh cha’n ’eil each sam bith nach ’eil buailteach do araon tinneas agus crubaich, agus beachdaichidh mi air tearc de na coran as cumanta. ’Siad Teasaich agus ainteasean na h-euslaintean a’s cumanta, agus air an son-san tha an ioc-shlaint simplidh; tarruing fola agus cliostaradh maille ri biadh fuaraidh, ach feumaidh an tarruing fola a bhi ealamh agus gun eagal cus a tharruing d’ i. Cum an t-ainmhidh meadhonach blath, agus biadh air biadh bog gus am bi e gu h-iomlan air a leigheas. Ma bhios ain-teas sgamhan geur-theann, bliostraig e air gach taobh direach an cul-’aobh a ghairdeanan. Tha Biastan mar an ceudna cumanta, agus leigheasar iad le salainn air a thoirt gach la anns a bhiadh,—le tomhasan de ola an Turpanaidh bho 2 gu 3 unnsaidhean gach tomhas, air a mheasgadh le buidheagan uibhe agus leth-mhuitshcin leanna, no gaoist eich air a pronnadh min ’s air a measgadh maille ris a bhiadh. Tha biastan air a leigeadh ris le rannsuchadh an inneir, no leis an each a bhi ’tachas a thon, leis an fhionnadh ’bhi seasamh air a cheann, no le taisbeanadh geal no buidhe fo an earball. Tha iad cuid a dh’aman gle chunnartach. Tha Lampas, no fas thairis air na fiaclan gu tric a’ fagail eich og lag agus caol ’g an cumail bho chnamh. Lot an earrainn gu maith le sgian pheanaichean air chor’s an fhuil do ruith gu saor an toisich, agus mar dean sin an gnothaich feumar a losgadh dheth le iarrunn teth agus a rubadh le salainn ’us burn. Cha’n ’eil an Tuanalaich neo-chumanta, agus faodar a leigheas le tarruing fola air ball:—mur bi lanns aig laimh, lot uachdar a bheoil gu maith le ruinn sgian pheanaichean air chor’s gun sil an fhuil gu saor, agus nigh a bheul le burn an deigh sin. Tha’n Galar Greidh cho chumanta maille ri eich og ’sa tha ’ghruithrach maille ri clann. ’Nuair a ghlacar leis e aig feur, is tric a leighiseas e e-fein, ach ma ’s ann san stabul a ghlacar leis e, bithidh a chuir a mach cunnartach. ’Siad plasdan teth ris na peirclean agus ris an sgornan an doigh leighis a’s fearr, agus biadh fuaraidh proinnte agus burn blath ri ol. Tha Doille air a bhacadh le tarruing fola, purgaid agus biadh anmhuinn maille ri iomairt mheadhonach agns pailteas ailidh ’us stabuill fhionnar. [TD 194] [Beurla] [TD 195] Mur toirear aire do Chasdaich tha e ullamh ga criochnachadh ann am briseadh anail; agus is coir fuil a tharruing air ball cho maith as cliostairean, blaths, agus ma dh’fheumas, purgaid, a chleachdadh. Cha’n ’eil an Greim-mionaich idir neo-chumanta aig eich oibrich, agus tha e gu minig basmhor. Tha cliostairean gle ghasd, agus deoch de uisge blath no leann maille ri da dghlainne uisge-bheatha laidir, no uisge laidir an turpanaidh, agus glainne laudanum chumanta agus peabar, gle fheumail gu beothachadh ’us neartachadh. Bu choir a bhroinn aig an am cheudna a shuathadh gu seimh le aodaichean blath, no le crios air a chumail le neach air gach taobh dheth. Is coir buntainn ri Fual-euslaintean mar a tha air a sheoladh (mu Uisge dearg) airson a bho, agus tha beagan niter, uiread ’sa ’surrear a chumail air sia-sgillinn gheal air a chrathadh thairis air a chorc na leigheas shabhailt agus fheumail. Tha Crubaiche ’g eirigh bho chaochladh aobhairean, ach is e’n t-aobhar as cumanta, droch chuir chroidhean, agus leis sin milleadh na’n cos. Bu choir do na croidhean a ghna bhi cho farsuing ’s a’s comasaiche, aig na sailean, ’bhi gu tric air an gluasad, na sailean air am bearradh a mhan, agus na toisichean air an giorrachadh; oir a dh’easbhuidh sin feumaidh gu’m gu’m bi crupadh as crubaich gu leanmhuinn. Cha’n urrar crubaich bho sguchaidhean ’s na luirgnean a leigheas ach le falcaidhean, stiom-cheangail, agus fois. Tha Ata agus Ruith n’an Sailean na aobhar ghearain chumant, agus is ann a tha e ’g eirigh bho charadh neo-churamach, bho dhroch-ghlanadh stabuill, easbhuidh iomairt agus droch bhiadh. ’Nuair a thaisbeanas e, feumar uimesin an aire ’thoirt do na puincean so an toiseach agus an leasachadh. Gearr air falbh a ghaoist bho na sailean, agus tiormaich iad le suathadh ’nuair a bhios an oibir thairis, a’ nigheadh ’mach salchar air bith asda le siapan laidir bog. Ma bhitheas iad gle olc feumar plasdan blath de chath a chuir riu, agus an uair a bhios iad a’ faiginn ni’s fearr, ma shuathar iad re fad 2 no 3 laithean le bloinig agus ma nighear iad le uisge sulphate sinc, uair mu seach bithidh iad air an leigheas. Tha Cornan gle dhraghail agus tha iad a ghna air an aobhrachadh le droch chuir chroidhean agus gun na croidhean a ghluasad tric gu leoir. Gearr iad agus deasaich iad le tearr [TD 196] [Beurla] [TD 197] ’us asgairt a’ toirt aire nach bi na croidhean a’ dol a seachad air na h-earrainnean; ach is furasd’ am bacadh na’n leigheas. Bu choir Sgoltaidhean Gainmhich a bhi air an lionadh ’naird le tearr ’us bloinig agus an iomalan a lomadh mhan gu tric gu thoirt orra fas ni’s ealamh. Tha Ruith-ghoirteas ann an sgoltaidhean na’n cas aig eich thuathanais neo-chunnartach. Ni ’n cumail glan gu cumanta ’n leigheas. Bu choir Leointean fhuaigheal gu grad an aird agus am fagail gu leigheas le am fuil fein, ni s’ e ’n leigheas a’s fearr uile. Feumaidh an lon a bhi lag, agus feumar fuil a tharruing ann an 12 uairean an deigh do an leon tachairt. Ma theasaicheas e, bogaich e le burn teth; ach ma dh’iongraicheas e feumaidh tu plasd de chath, fhion-gheur, agus uisge a chuir ris. Stadar ruith ainnearteach fola le teannachadh, no mur bi e ro dhona, le lion-an-damhan-allaidh agus alum air a phronnadh. Ma thaisbeanas breothadh, cleachd alum loisgte agus cuir beirm anns na plasdan. Spoth, is ni e a dh’fheumas a chuid a’s lugha de eich og fhulang, agus tha e gu cumanta air a dheanamh gu maith le daoine ’san duthaich a tha cleachdadh a dheanamh. Na h-aon roimh-airean is iad fuil a tharruing da la roimh an oibreachadh agus an t-each a chumail fionnar an deigh sin. Tha e n’is sabhailt a dheanamh aig aois bliadhna; ach a thaobh gur doilich an uair sin na h-ainmhidhean a’s fearr a ghleidheadh airson stalanan a thaghadh, leiginn dail leis gu 2 no eadhon 3 bliadhna, aig an am sin foillsichidh na comharraidhean ni’s mo, agus is urrar an fheadhainn a’s neo-fhiughail a spothadh. ’Se Tarruing Fola an doigh leighis a’s furasda agus a’s cumanta anns na h-uile chnatain, theasaich, agus ainteas, agus tha a bhuaidh an earbsa gu mor air a ’bhi air a dheanamh aig toiseach na h-euslaint; oir ma chuirear dail air, tha e, cha’n ’e ’mhain, neo-fheumail, ach cunnartach. Ceangail streang gu teannd mu’n amhaich, ni bheir air an fheith ata. Fliuch agus sleamnaich a sios am fionnadh, air chor’s nach bi stad air a chuir air an lanns, agus deanar am fosgladh ’san fheith gu maith farsuing, mu leth eorlaich a dh’fhada. Is coir do each mor fo ainteas bho 8 gu 10 cairtean a chall aig an toiseach, agus eich a’s lugha do reir sin. An deigh an fhuil a tharruing, duin am fosgladh le prine a chuir troimh gach taobh dheth, ach seachain an craiceann a tharruing air [TD 198] [Beurla] [TD 199] falbh bho’n fheith, air eagal dad sam bith de’n fhuil luidhe eadar an craiceann agus an fheith, agus goirteas aobharachadh. Fill snath no asgairt mu’n cuairt do na phrine gu teannd agus an ath la tarruing a mach am prine, air eagal gu’n iongraich e an amhaich. Tha Cliostradh, mar an ceudna, gle fheumail ann an teasaichean, &c. agus cha bu choir e ’bhi air a dhearmad. Tha aotroman mor muic no daimh le piob fiodha ris gu leoir airson an aobhar sin. Faodar uisge blath, siabunn bog, agus ola a chuir a steach, agus ma dh’fheumar, a dheanamh a rithisd, leis an tearuinteachd ’sa bhuannachd a ’s mo. Ma bhios am mionach gu mor air a theannachadh, thoir air falbh an inneir chruaidh a’s fhaide ’mach le laimh chaol air a deagh shuathadh le bloinig. Mur dean uisge teth, siabunn laidir. agus ola an gnothaich, cuir salainn comhladh riu, agus ann an ainteas ainneartach cuir a steach uisge teth, ola chastoir, ’us laudunum. Bheir Bogachadh le burn blath, agus plasdan cath ’us burn teth saorsainn iongantach ann am bruthaidhean no sguchaidhean, agus feumar am mairsinn re seal. ’Se an doigh a’s fearr, bogachadh le uisge teth airson beagan uairean, agus an deigh sin plasdadh le pronn no cath theth ’ga ghluasad ’nuair a dh’fhuaraicheas e, agus plasd ur a chuir ris. Cha choir Purgaid a thoirt ach ainmig, ach tha e aig aman feumail, agus is coir a thoirt ’an cumadh ball mar so. Seas air stol gu thu-fein a thogail, tarruing teangaidh an eich gu socrach beagan a mach as a bheul, ugus cum i le do laimh chearr air a bruthaidh gu daighean ris a charbad. Air do na bhall a bhi air oladh agus air fhasgadh caol, feumar a chuir leis an laimh dheas air bun an teanga, ’nuair, air leigeadh as an teangaidh, bhitheas e gu h-ealamh air a shlugadh. A ghna fosgail am mionach le biadh bog la roimh toirt purgaid, an deigh sin cum blath e, agus thoir dha gu tric iomairt sheimh gu toirt air an ioc-shlaint oibreachadh ni’s furasda. ’Se ’n tomhas a’s fearr 7 dramaichean aloe agus 1 dram de ola an turpanaidh: airson eich mhor no bheag feumar a mheudachadh no a lughdachadh do reir so. EUSLAINTEAN CHAORACH. ’Siad euslaintean chaorach gu h-araidh bracsidh, lobhadh ’san leth-stigh, lobhaidh nan cas, stiurdaidh, call chaoraich le breith uain, agus cloimh no scab. [TD 200] [Beurla] [TD 201] Cha’n ’eil Lobhadh ’san Leth-stigh aithnichte ’n ’ur measgsa, ged tha e gle challdach ann an Sasuinn far an robh treudan iomlan air an toirt air falbh leis ann an aon bhliadhna. ’Se’n t-aon ioc-shlaint caochladh gu ionaltradh tioram agus fallan, agus pailteas salainn a chumail riu. Gu dearbh bu choir mir de shalainn chreag a bhi anns gach raon ’am bheil caoraich ag ionaltradh, agus imlichidh iad gu h-ealamh e. Tha e gu tric air a chuir a mach air na cnuic, a chum mor bhuannachd, agus ma dh’fholaichear e gu meadhonach bho fhluicheadh, mairidh e uin fhada. ’Se ’m Bracsidh ’san duthaich so an euslaint a’s cumanta cho maith ’s as calldaich do ar caoraich, agus tha e coslach ris an tinn dubh anns an spreidh. Tha’r a smaineachadh gur e ionaltradh saibhir a bha gu mor air a thaghalt le crodh is aobhar do an euslaint so, ach tha mise ’n amharus gur ann a tha’n aobhar bho’n acras a bhi ’an sin ni’s furasda air a shasuchadh, agus bho easbhuidh ruith ’san fhuil air a thoirt orra le reamhrachd agus easbhuidh iomairt ann an rannsuchadh airson lon, agus nach h-ann bho bhuaidh phuisionach air bith ann an sileadh a chruidh. Tha na h-uainn gu nadurach reamhar ’us lunadach aig deireadh an fhoghair, agus bu choir an ioman gu seimh socrach thairis air an ionaltradh le deagh bhuachaill gun leigeadh leo luidhe sios gu mor, agus faodar an cuir gu ionaltradh arda bochd mar chaochladh an uairean, ach ’s e’n leigheas a’s cinntiche am mionaichean a chumail fosgailte le tomhasan salainn air a thoirt bho’n laimh mu mheadhon mios deireanach an fhoghair do na h-uain uile, agus le fagail mirean salainn chreag dlu dhoibh gu imleach fo sgail thighean gluasadach. Ach ’siad sneipean no seamrag, ma gheibhear iad, a’s cinntiche gu dion bho’n tinneas so, a thaobh gu’m fosgail iad am mionach, agus gu cinnteach bacaidh iad an tinn sgriosach so. Tha Lobhadh nan Cas air a leigheas le glanadh sgoltaidhean na’n cas, agus an deasachadh le beagan bloinig agus alum loisgte, no seors cungaidh air bith eile de’n nadur sin. Cha’n urrar an Stiurdaidh a leigheas ach le oibir-leighis. Fairich aite bog gleidhidh an uisge, ma’s urrainn thu le bruthadh a chinn leis na meoirean; a reisd, sath bior gu toigheach an aird sa chuinnean gus am bris e am balg uisge. Faodar a dheanamh fos le tolladh a chlaigeinn le sgian pheanaichean no gimleid ri aghaidh ait gleidhidh an uisge, ach ge b’e doigh [TD 202] [Beurla] [TD 203] dhiubh an deanar e, feumar an aire a thoirt nach deanar cron do’n eanchainn. Bu choir an oibir-leighis fheuchainn a ghna, air neo tha’n euslaint ach ainmig marbhtach. Agus is coir do bhuachaillean chaoraich, no mhuinntir aig am bheil curam chaoraich, ceann caora no dha a bhios a’ basachadh leis an stiurdadh fhosgladh, a chum gur ann a’s fearr a chithear cia mar is coir an oibir a dheanamh, no gu fhaicinn aobhar failligidh na h-oibir a rinneadh air na caoraich. Tha Breith Uain gu minig marbhtach ’nuair a tha na caoirich air an croiseadh le reithean de sheors ni’s mo, agus feumaidh iad an aire a thoirt orra mar a sheol mi ’nuair a labhair mi mu chrodh. Ma thaisbeanas na h-uainn fuachdaidh ’us tinn, dean am falcadh ann am burn blath, no thoir ola dhoibh ’san leth stigh. Feumar aire thrathail a thoirt do’n Sgab no Chloimh. Ann an aitean iosal bu choir na caoraich a shuathadh thairis uile le uisg ’n tombaca, agus na h-earrainnean sgabach shuathadh no rubadh le ola ’n turpainidh, ach ann an grunn cnocach fuar, feumar an smiuraigeadh le tearr us im, ni a bha fada air a mheas a chungaidh bhacaidh a b’fhearr air tinneas, ach cha’n ’eil mi ’an teagamh nach geill i do ioc-shlaintean eile ann an uine gun fhad as. Cha’n’eil Gabhair buailteach do euslaint, ’scha mho a thug leigh-sgribheadairean aire do na phuinc so. Tha Eoin-thighe air am bualadh le iomadh euslaint ma chumar ro mhor a stigh iad, far nach ’eil an t-uisg urail, no far am bheil an talamh fuar agus aitidh, ach ’siad na h-euslaintean a’s cumanta am piochan agus an teasaich. Leighisear am piochan le toirt an sgrath dheth an teangaidh leis an iongain, agus le fosgladh neasgaid a gheibhear air bun an earbaill agus an iongair fhasgadh a mach; an deigh sin a nigheadh le salainn agus uisge, agus meud cnodha de im a chuir a sios ’san sgornan, ni dh’fhosglas am mionach. Leighisear an teasaich a mhain le blaths, deadh bhiadh, agus cumail tioram. Tha beagan ime saillte air a thoirt ’san leth-stigh cuid dh’uairean feumail, ach ’sa chumantas ni leoir de uisge glan, deadh lon, aite tioram, blaths, glainead, agus gainmheach gu iad fein a thachas ann, slaint eoin cinnteach. Tha coirc gn cumanta ro theth air son iseanan, agus tha biadh uisgidh mar bhuntata olc airson a cheud seachduin an deigh a theachd as na h-uibhean. Co’duineam a nis an ceann so le toirt fainear gur ceann e nach ’eil idir neo-fhiughail air ’ur n-aire; oir [TD 204] [Beurla] [TD 205] faodar suim mhor airgid a thionndadh thairis ’sa bliadhna mar so le bean coitear, le beag saothair agus beag chur-a-mach. Gheibh na h-eoin, na h-uibhean, agus na h-itean luchd ceannach, agus faodaidh a bhuannachd a bhi gu h-iomchuidh air a ghabhail le boirionnaich na teaghlaich gu chuir a mach air na co’fhurtan agus na feumalachdan ud a leigeas a ris an aon uair am blas agus an deagh riaghladh. Air dhomh a nis co’dhuineadh mo bheachd-chomhairlean air na nithe tur fheumail co’cheangailte ri tuathanas, feumaidh mi ’ur n-aire a ghairm gu giorid a chum sin a tha araon feumail agus sgiamhach, a chum sin nach bu choir do dhuine bochd air bith a bhi a dh’easbhuidh, agus sin a tha gach duine beartach a’ mealtuinn. LIOS. ’Se so sogh nach robh air a mhealtuinn ann an linnean chein ach a mhain leis an t-sagartachd thuigseach; oir bha na liois a b’fhearr mu’n cuairt do am manaichean, an abaidean, agus ged a tha am buannachdan lan mheasail a measg ar coimhearsnaich aig Deas, tha mi doilich gu radh nach d’rinn sinne ach gle bheag tighinn air aghairt ann a leithid de dh’eireachdais. Leth cheud bliadhna a roimh so cha robh ach 2 no 3 liois, tha mi ’creidsinn, ann ’ur sgire uile, aon de na sgireachan a’s farsuinge ’am Breatuinn; agus eadhon an traths’ ’nuair a tha toirt-gu-deagh-riaghailt air deanamh speid mhor ’an aitean eile, cha do lionmhoirich aireamh na’n spotain far am bheil measan agus fliuraichean air an arach gu, theagamh, dusan: ach an ni a tha ni’s iongantaiche, agus ni an ait eile cruaidh ri chreidsinn, ’se, ged tha na liois a’ dearbhadh ciod a tha an fhearuinn comasach air a chuir a mach, gidheadh ma dh’ iarras malanach mo chead (agus tha e a reir sin ’ga fhaighinn) gu garadh a chuir mu mhir grnnna airson lios, thainig a choimhearsnaich a ghna thugam agus chuir iad na aghaidh, ag radh gu’n robh e cuir maille air feurach an spreidh agus their iad grainealachd no salchair ris. Tha fliuraichean, measan agus luibhean poit ma ta ann an Gearloch na-n salchaireachd! Agus feumaidh sinn a bhi air n-ar saoilsinn mar sin eadar-dhealaichte gu caileachdail bho ar co’chreutairean ’am Breatuinn agus anns an t-saoghal air chor’s gu dearbhadh an t-sean fhocail sin “tha biadh aon duine na phuision do dhuine eil!” Na’n eisdinn ri seann chlaon bharailean, theagamh gu’n [TD 206] [Beurla] [TD 207] toirinn thairis ann an ain earbsa beachd tighean grinn agus liois tharbhach air m’oighreaclid fein. Ach labhraidh mi beagan fhocail ris a ghinealach a tha ’g eirigh; oir maille riu-san cha’ n’eil mi a’toirt aire do mhi-thoil airson ubhlan no uinneanan, ’scha mho a tha na caileagan oga a’ cuir suarrach briaghachdan mhilis chiatach fhliuraichean air laithean sabaid, &c. Dhoibhsan cha bhi cead imeachd ann an deagh lios air a dheagh chumail agus pairteachadh de a shoghalachd na ghrain. Agus tha agam dochas gu dhearbhadh orra-san gu’m bheil fear aig am bheil lios tarbhach na sheilbheadair air cha’n’e ’mhain sogh, ach air companach a bheir sugradh dha cho maith as frithealadh air uireasbhuidhean. Cha’neil fear-ceaird sam bhi cho dian an sas ’snach urrainn e beagan mhionaidean a chaomhnadh gach la airson a lios; agus cha bu choir do dhuine air bhi a bhi gun saorsa gu leoir gu cumail ceithreamh acair ann an deagh ordugh. Gheibh a bhean ’sa chlann feum le saothar eutrom oibir liois, agus am fear ceaird a tha cho chumant glas-neulach le e ’bhi a ghna a steach, bithidh e le leithid sud de chaochladh iomairt bho a cheard chumant, beothail slanteil, ni gur gann a bha duil aig a roimhe ris. A bhi a’ cuir sil, a’ suidheachadh, a chraobhan fo bhlath, agus tionail a mheasain agus a fliuraichean, tha iad an aon uair ’a toirt tomhas de chaochladh urachd taitnis ’us toileachdainn de ’n t-seors a’s finealta; tha e na shugradh thar chaich uile; oir an uair a ghiulanar e gus an airde a’s mo, cha toir e ’mach dad a bhios coire-ail no cronail, cha’n urra e tuiteam a chum droch-bheus. Ach ged a tha lios cho feumail do shlaint an fhir-cheaird a stigh, cha’n’eil e car nis lugha do’n fhear oibir ’am muigh, do’n tuathanach bheag, do na choitear de na h-uile seors. Ann an cor an fhir shaothraichidh lathail ann ar raointean, ciod a tha cho taitneach ri tearc mhionaidean air an caitheamh ann a lios an deigh a shaothair lathail? Tha’n dearbh chaochladh na shaorsainn bho iomairt laidir chuirp gus an oibir a’s eutrom’ de na h-uile oibre a muigh. Do’n tuathanach cia iomadh uair bhriste a dh’imreas a dhol a seachad gun fheum mur bi lios aig laimh gu cleachdadh an uin sin. Maille ris an iasgair ged dh’fhaodas e gu tric a bhi ro anmoch, an deigh pilltinn bho iasgach, gu toiseachadh ri oibir [TD 208] [Beurla] [TD 209] mhoir air bith, gidheadh faodaidhe beagan mhionaidean a mhealtuinn ann a lios gu sona agus aig an am cheudna gu buannachdail. An trathsa tha n-’ur clann an deigh uairean na sgoile air an ioman gu eucoir, a chionn nach eil meadhonan oibrichidh eile airson an cleachdaidhean nadurach a chumail ann an iomairt. Ciod an caochladh sealladh a dh’fhenchadh iad na’m biodh iad gu deigheil a tionndadh an aire ri greantachd, maise, agus toraidheachd liois, deigheil gu fheuchainn do am paraintean gu’m b’urra an lamhan beagsa ’bhi gu feumail air an cleachdadh. Ciod an leasan teagaisgeil modhail a bhi a’ faotainn sogh mheas bhuaireach a’ duaiseachadh ann an am dligheach an curam agus an leantuinn air adhart! Cia taitneach a bhi a’ faicinn brathrean ’us peathraichean a’ co’spairn ann an durachd a cheile a chuideachadh a chum ruigsinn air ni feumail air chor eigin! Cia siothachail agus Criosdail an sugradh neo-choireach, agus ciod an t-eadar-dhealachadh mor a th’ann bho mhi-stuaimeachd, an co’aoisean dhiomhan a tha gu ro thric air am faicinn a’ cluicheacdh le butanan, no a’ sabbaid, no diomhan gu cuir a seachad an tim? Tha an t-eadar-dhealachadh a rireadh ro mhor. Feumaidh e gach aon a bhualadh, agus tha liois cho luachmhoir ’s gu’m bheil aig cuid de sgoilean a chlann air an teagasg ann an arach luibhean ’us measan ann an liois co’-cheangailte ris na sgoilean, agus gun tuilleadh roimh-radh, toisichidh mi ri mo bheachd-chomhairlean air liois, measan luibhean, fliuraichean, agus seilleinean. Ann an taghadh aite ur liois, na biodh speis agaibh do’n talamh, oir ’san t-seadh so bithidh e cinnteach air dol am feabhas gach la, le ruamhradh domhain, cladhanan siolaidh, agus toirt an talamh a’s fearr a dh’ionnsuidh no spot thaghta sin, agus tha so a’ toirt air iomadh an spot a’s aimrite a’s faisg orra a roghnachadh a chum gun dearbh iad an sgil agus an seasmhachd fein. Ach anns an tir thuathail againn feumaidh e aghaidh a bhi ri deas. Na’n taireadh e ’bhith, bu toil leam fhaicinn air beulaobh ’ur tighean, agus mu’n cuairt da air tri taobhan (faic an dealbh) a toirt iomal fo ’ur n-uinneagan do fhliuraichean, craobhan shirist ’us phlumbais dlu do’n tigh, craobhan pheur us ubhail-shamhraidh dlu do’n sin, agus an fheadhain gheamhraidh ’us fhuinidh ni’s fhaide as uile, airson an aobhar so, gu’m bheil siristean agus plumbais ni’s fearr air an gleidheadh bho eoin am fagus do’n doras agus do na h-uinneagan. Tha measan samhraidh cuideachd an uair a ta iad [TD 210] [Beurla] [TD 211] am fradharc ni’s neo-bhuaireil do mheirlich, an fheadh a ta na seorsan geamhraidh, a thionailear gu cumanta cruaidh, a ruith beag cunnairt a bhi air an giulan air falbh eadhon ged nach biodh iad direach fo shuil dhionaidh an seilbheadair. Fasaidh measan beaga eadar n-’ur chraobhan no mu’n cuairt do na cairtealan caile ’us luibhean eile, a bhiodh air am milleadh le cus sgail bho chraobhan arda Ma ’surra’ sibh struth uisge a thoirt do an lios, no ma bhios agaidh ’ur fuaran no tobar a stigh ann, bithidh a na mhor ghoireas ann an uisgeachadh. Gu dearbh, faodaidh ’ur tobair airson feum an teaghlaich a bhi ann an sin ni’s fearr na ’an ait air bith eile, a chionn gu’m bi e air a dhion leis a gharadh bho bhi air a shalachadh le spreidh, agus aig an am cheudna bithidh e gu goireasach aig laimh. Bhur garadh dion a’s fearr, ’se balla le measgadh de chraoibhean faidhbhileach ’us dhris air an suidheachadh aig a chulaobh. Cha’n ’eil balla leis-fein ach na fhasgadh bochd, an fheadh a ta callaid a dh’aon chuid, ged is blath i, ullamh air spreidh a leigeadh troimh agus ni’s mo de chall a bhi air a dheanamh ann an uair a thiom na ’surrar leasachadh ann an laithean. Ach tha na dha cuideachd, cha’n ’e mhain a’ toirt tearuintcachd ach a toirt aig an aon am aroan blaths agus fasgadh. Ma bheir sibh aire do’n ghrunn bheir a dhuibh pailteas ubhlan, pheuran, phlumbais, shiristean, ghroiseidean, shuidheagan, lair, shuidheagan phris, agus dhearcagain, gun a bhi ri balla agus le gle bheag toigh. Ann an Ubhlan, roghnaich airson an t-shamhraidh Juneating, Thorl samhraidh Hathorndean, codlin Charlisle, agus airson a gheamhraidh, Thorl geamhraidh, Ubhal Fhlanders, Caisteal Ghlamis, beagan Leadingtoinean, agus Phearmainean. Ann am Peirean, biodh agad an seors Lammas, agus an Duilleag chrochaidh, Ubh na circe-fraoich, Glas Achan, agus Ubh na h-eala, airson a gheamhraidh. Tha mi ’gainmheachadh na’n caochladh seorsan so, airson gum bheil iad uile cruadalach tarbhach agus a cheana air am feuchain gu buadhach ’san tir am bheil sibhse. Plumbais,—An Orlean chumant’, Damson, agus Uellington. Craoibhan-sirist,—Mai-duc, Morella, agus ginearson dearg agus dubh, athleasaichte. Groiseidean,—Na seorsan romach uana agus buidhe luathrach, an seors sleamhan dearg, agus an seors geal Champaine. Is gann gur fhiugh Suidheagan lair dhuibh an arach; air [TD 212] [Beurla] [TD 213] a chum iad a bhi tarbhach feumar an gluasad gach tri-amh bliadhna, ach ’se an seors a’s fearr, seors Chean. Cha’n fheum na Suidheagan prise dearg agus geal Antweirp ach beag toigh a thuilleadh air na meanglanan og a cheangal cuideachd ’an toiseach an fhoghair gu’n cumail bho bhriseadh le gaoitean. Dearcan Frangach dubh, geal, agus dearg. Tha mi tric a’ faicinn muinntir a’ dol a dh’ionnsuidh fear an liois-altruim airson seorsan ur ubhlain, &c. agus a’ faighinn seorsan gle dhona, ’nuair a dh’fhaodadh iad meanganan* airson an suidheachadh ann an craobh eile, fhaighinn bho dheagh liois ’sa choimhearsnachd, no craobhan og fhaighinn a nasgaidh bho an uachdaran a tha deonach gu’n toirt dhoibhsan a tha a feuchain tlachd ann an cumail lios gu maith; ’seadh bhiodh agam moran taitneis ann an toirt do’n leithid sin de mhuinntir na seorsan a’s freagairiche de chraobhan mheas no pris de gach seors. Thuilleadh air na liois, dh’fhaodadh sibh craobhan meas’ a bhi agaibh air an suidheachadh ann an bruachan ro chas airson a chrann; air chor’s lios mheasain a dheanamh ann, agus na’n robh measan cho pailt ’an so ’sa tha iad aig abhainn Chlide,† cha bhiodh buaireadh sam bith gu goid. Mu sgathath cha’n abair mi dad sam bith an so, oir is beag a dh’fheumas sibhse dheth; ach na’n gearradh sibhse air falbh na meoir mheadhonach dheth nar craobhan agus ’ur pris dhearcagain, bhitheadh ’ur meas ni’s fearr air a leigeadh ris a ghrian air gach taobh, agus bhitheadh e ni’s mo agus ni’s cubhraidh aileadh ’us blas, agus cumaibh ’ur craoibhean iosal agus sgaolteach, a chum nach caill iad am measan le crathadh le gaoitean arda. Na leigibh le n-’ur clann, ann an tionail a mheas, a bhi a’ briseadh na’n geugan, agus a’ milleadh na’n craoibhean. Cha’n ’eil ni a’s graineile agus a’s mo a’ taisbeanadh leisge agus bochdainn na craobhan shiristean leis na geugan mullaich air an reubadh air falbh, agus ginidh e aomadh neo-churam agus sgriosach ann am muinntir og a dh’fheumas dearbhadh calldach ann am beatha an deigh sin. Biodh agaibh maide le cheann crom, agus streang air son isleachadh gu seimh na’n geugan luchdaichte, agus ma bhriseas aon aig am air bith gu tubaisteach, ’sgath i air falbh gu grinn an aon uair le ’ur sgian. An ait ’ur roinnean a bhi air an suidheachadh le meas-chraoibhean a sgailicheas ’sa mhilleas na cairtealan luibhein, biodh agaibh na craobhan ubhail ’us pheur am fagus do ’cheile nam badan, agus pris ghroiseidean us dheircean am fagus doibh agus fotha cho maith as timchioll ’ur cas cheuman no mu’n cuairt do ’ur cairtealan luibhein. A thaobh gur ann a’s fearr a chinnicheas ’ur craobhan ubhall ’us pheurais ’nuair nach bi * Failleanan. † Clyde. [TD 214] [Beurla] [TD 215] iad ro dhlu, bithidh ni’s mo de rum airson ’ur pris eatorra no fotha. Thoiribh aire do ’ur pris ghroiseidean ’us dheircean cho luath ’sa bhios iad fo lan dhuilleagan, agus biodh na h-uile chaterpiller no burras air an spionadh dhiubh cho luath ’sa tharas sibh. Le sealtuinn thairis air gach preas da uair ’san t-seachduin aig an am sin (a tha gu cumanta mu mheadhon an t-shamhraidh) ni nach toir bho chaileag no leanabh os ceann da uair ann an lios le 60 preas, ni sibh cinnteach an dion, ach ma dhearmaidear iad aig an toiseach bithidh an dragh air a dhubladh, agus am meas cha’ ’ne mhain air a mhilleadh, ach na pris mar an ceudna air an dochainn. Tha bad de bheallaidh cumanta air ’a cheangal ann am meadhon gach preas, na mhor dhion bho burrasan. Suidhichibh ’us pris shuidheagan n’an sreathan an cois ’ur cos-cheuman, agus ceanglaibh cinn an fheadhainn a’s dluith ri cheile cuideachd, ’gan lubadh ri ’cheile air chor’s gu’m bi gach dha dhiubh ’nam bogha. De luibhean ’se buntata luathrach a’s feumaile anns gach lios, a chionn, an deigh an togail, gu’m faod sibh cal a shuidheachadh, ni ’se ’nath thoradh liois a’s luachmhoire; oir tha sinn a foghlum bho Chobbet gu’m faodar arach air ceithreamh cuid de acair cal agus sneipean Suaineach gu leoir gu cumail a ’naird bo fada na bliadhna ma’s urrainn sibh beagan fodrach a cheannach dh’i. Agus ma’se gu’m bheil an sgribheadair talantach so dlu air a bhi ceart ann a chunntaidhean, cia furasda a dh’fhaodas da no tri chrodh a bhi air an cumail le ’ur liois air an cuideachadh mar a dh’fhaodadh iad le ’ur beagan fearuinn ’us ionaltraidh. Gu dearbh chunnaic mise cho mor air a dheanamh ’san doigh so le toigh ’us caontachd mu mhathachadh, agus barran connbhaileach ’an deigh a cheile ann an tir a’s fuara na ’n tir agaibhse ’s gu’m bheil mi a rireadh a’ creidsinn cunntadh Chobbet a bhi mu bhi ceart. ’Siad naimhdean sonraichte a chail, seilcheagan ban, agus ann an cuid a dh’aitean cnuimheagan geala aig a bhun. Mholainn mar mheadhon bacaidh, agus aig an am cheudna na dheagh mhathachadh, ’ur talamh uisgeachadh gu tric le buirn-aoil laidir. Agus mar an inneal glacaidh sheilcheagan a’s fearr tearc de dhuilleagan cail a chuir air an lair roimh an dorch, [TD 216] [Beurla] [TD 217] agus dhol a shealtuinn orra ’sa mhaduinn roimh sholus latha, ’nuair a bhios iad air an comhdach leis na biosdan sgriosail so. Faodar beagan leacain a chuir na’n luidhe thall ’sa bhos, agus sealtuinn fotha ’san latha ’nuair a gheibhear iad fotha, agus gu furasda air an sgrios. Ach a dh’easbhuidh a leithid sin a dh’aire, b’aithne dhomhsa lios cail gu h-iomlan air a mhilleadh ann am beagan oidhchean. Faodar an luibh fheumail theaghlaich so a tha fas na bhiadh luachmhoir do chrodh, arach fada na bliadhna, agus ’nuair a bhios iad og cha chuir iad blas mhi-thaitneach ’sam bith air bainne no im. A chum stoc cail arach gu thighinn air aghairt ’san Earrach, ullaich cuig slat ceithir-chearnach de ghrunn an toisich an Fhoghair air a dheagh mhathachadh le inneir min, agus cuir a leth le cal luathrach agus an leth eile le cal fadalach, na’n sreathan tri eorlaich bho ’cheile ’ga chuir gu tana, agus ma thaisbeanas na planntanan ni’s dluithe na da eorlach bho ’cheile is coir an deanamh tana. Cho luath ’sa thig iad a mach, cladhaich gu maith eadar na streathan; oir mar a’s mo a chladhaicheas sibh mu chal ’sann a’s fearr. ’Nuair a gheibh na planntanan sia duilleagan, ullaich cuig slait eile, no deich, suidhich a mach na planntanan ann, ochd eorlaich bho ’cheile, agus tri eorlaich san t-sreath, a’ hodhaigeadh gu tric eatorra. Gu trathail ann an ceud mhios a gheamhraidh dean drileachan fhosgladh, cuir beagan mathaichidh annta, duin iad, agus suidhich an cal a rithist 15 eorlaich bho’ cheile air mulach nan drileichean, agus an sin feumaidh iad seasamh fad a gheamhraidh. Ma bhios reothadh cruaidh ann, crath beagan fodrach eadar na leapaichean phlantanan, air chor’s nach comhdaich e na duilleagan; agus ma dh’fhasas an grunn cruaidh le uisge agus reothadh, ruamhair eadar na plantanan. Ann am mios mheadhonach an Earraich ruamhar domhain, gu h-araidh ’nuair a thaisbeanas iad a bhi a’ fas, agus a risd an deireadh an Earraich, agus ’an toiseach an t-shamhraidh, a’ sgrios gach luibhean neo-fheumail, agus ’am meadhon an t-shamhraidh bithidh agaibh cal cearslach, daighean, agus iomchuidh airson ’ur cruidh gu meadhon an Fhoghair, nuair a thig an cal fadalach a steach ’sa mhaireas e fad a gheamhraidh. Ma dh’fheumar cal luathrach gu connbhaileach, cuir e ’an deireadh an earraich, agus rach air t-aghairt mar a roimhe, a’ ruamhradh, a mathachadh, agus a suidheachadh cho teann ’sa dhitheas sibh. Faodar cal no sneipean Suaineach a shuidheachadh ’nuair a ghearrar a cheud chuid ’am meadhon an t-shamhraidh. Tha cuid a mhuinntir ag ullachadh a chail le [TD 218] [Beurla] [TD 219] toirt nam meoir og deth an t-seann stocainean cail, agus an deigh leigeadh leo tiormachadh beagan uairean, ’gan suidheachadh ’san aon doigh ri planntanan bho an t-shiol. Bheir na planntanan sin ann an am dligheach stoc ur de mheoir, agus mar so sior riarachadh fad na bliadhna. Gu taghadh sil shneipean no chail, tagh beagan phlanntanan briagh, agus sudhich iad leo fein ’mach bho chomas ruigsinn bhlathain eile, air eagal gu’m measgaich na caochladh sheorsan le dus na’m blathain a bhi air a ghiulan bho aon phlanntan gu planntan eile, ni a tha air a dheanamh ni’s furasda na dh’fhaodas sibhse a smuaineachadh. ’Se Biot theagamh an ath thoradh liois a’ ’s lauchmhoire, agus ma shuidhicheas sibh luath e, faodaidh sibh a thogail ’an toiseach an Fhoghair, agus cal a chuir’na ait. Cuir an siol aig toisich mios dheiridh ’an Earraich, agus suidhich a phlanntanan le bacan ann an grunn air a dheagh dheasachadh ’us mhathachadh ann an ceud mhios an t-shamhraidh. Gearr dheth na barran ann an ceud mhios a Gheamhraidh, agus faodaidh sibh an itheadh mar bhloinigein garaidh, agus taisgibh iad a suas airson feum a Gheamhraidh far nach ruig an reothadh orra; no ma dh’iarras sibh na duilleagan gu’n caitheamh ’san t-shamhradh, faodaibh sibh an spionadh cho tric ’sa bhios iad air an lan fhas gun dolaidh a dheanamh air na planntanan, agus thig duilleagan uir a ghna a mach. Na’m b’urra sibh ait a thoirt do bheagan shreathan de bhiot an raoin no mangold-ursal, a tha gu bhi air arach air an doigh cheudna, bheireadh an crodh agaibh taing dhuibh, mar ann, an am focail, aig a chuid as lagha ann am bainne fada mhios a Mhairt agus a Ghibnidh, nuair a thoisicheas ’ur sneipean ri call am brigh. Ach feumar an toirt an toiseach ann an tomhasan gle bheag gus am bi an spreidh cleachdte riu. ’Siad Oinnionan an luibh a’s fheumaile, agus a’s taitnich do na bhlas a’s eol duinn. Feumaidh do ghna an cuir ’san aon mhir grunna air ullachadh airson an fheum sin, a’ cuir ris ma dh’fheumas e a leithid de thalamh ’sa ni e criadhaicheil tioram. ’Siad mathachaidhean laidir, leithid a’s suidh, inneir mhuc ’us cholmain, aol, &c. a’s fearr ’nuair a chleachdar gu ciallach iad. An siol a’s fearr, ’siad an t-oinnion dearg, agus an Strasburg, agus cinnichidh iad ni’s fearr air an cuir measgta. Ruamhar do thalamh gu maith ’sa Mhairt, agus cuir an siol mu mheadhon na mios sin ann an aimsir thioram. [TD 220] [Beurla] [TD 221] Tha Curranan na’n lon luachmhoir airson duine, ’us crodh, ’us eich, &c. agus a fas gu maith ann an talmhainnean gainmhich no mointich mo bhios iad reamhar, tioram, agus domhan, agus ma chuirear iad trath ’sa Ghibnidh. Cha’n’eil beagan shil air a mheasgadh maille ri ’ur n-oinnionan, na dhroch chleachdadh idir; oir ma dh’fhaillnicheas na h-oinnionan, tha sibh cinnteach a curranan mora, agus ma dh’fhasas na h-oinneanan gu maith faodar na curranan a spionadh ’mach. Is coir siol churrain a bhogachadh gu thoirt gu rinneachadh ma’s cuirear e, agus an sin a mheasgadh le gainmheach thioram gu thoirt air cuir ni’s ealaimhe. Tha Parslie, no fionnas-garaidh, na luibh shlainteil thaitneach, feumail ann ’ur saus-eisge, agus fasaidh e ’an ait air bith bho shiol, agus an deigh sin sgaolidh e e-fein ma leigear le planntan no dha ruith gu siol a chuir. Tha Saibheas an ire a bhi cho feumail ri oinnionan, agus bu choir iad a bhi ann bhur liois uile, oir gheibhear planntanan ’an ait air bith, agus cinnichidh iad gle theann; tha iad feumail maille ri ’r buntata, ’ur n-iasg, ’ur cal, &c. agus riaraichidh iad sibh ’nuair a theirgeas ’ur n-oinnionan. Ged nach ’eil Oinnion-bhuntata cho laidir aileadh, tha e gle fheumail, a thaobh nach faillnich e idir, eadhon far nach h-urrar seorsan eile fhaotainn gun phris arda. Suidhich iad ann an grunn mathaichte, 4 eorlaich air dhoimhne, agus nan sreathan 6 eorlaich bho ’cheile, agus na planntanan 4 eorlaich bho cheile; agus ann an deireadh an Fhoghair faodar na h-oinnionan a thogail ’san tasgaidh airson feum. Tha Peasar na luibh thaitneach fheumail, agus ma chuireas sibh an seors goirid ann an sreathan cha bhi sibh air n-’ur cuir gu dragh ’us cosdus maidean taic a chuir riu. Ann an aimsir fhliuch ma luidheas i, tionnd a naird i, agus cuir barrach phris foidhe gu leigeadh na gaoith a steach agus gu bacadh grodadh. Tha Ponar mar an ceudna na luibh fheumail agus chruadalach agus faodar a cuir luath eadar ’ur cal ’sa mhairt. ’Siad na seorsan a’storaidhich Uindsor agus masagan. De luibhean eile tha coachladh lionmhoireachd, ach tha iad gu bhi air an arach far am bheil gairneilean air an cumail agus ri ’n leithid-san cha’n ’eil mo bheachd chomhairlean air an labhairt. [TD 222] [Beurla] [TD 223] Bu choir Fliuraichean a bhi na’n comharradh eadar-dhealaichte air gach lios, oir cha’n ’eil mi a toirt an ainm sin do spot chail a mhain no do spot chraobhan mheas. Ach gidheadh mar nach ’eil mi airson cus uin a chaitheamh air na briaghachdan nadurach neo-bheathail a’s maisiche cha luaidh mi ach a mhain tearc fhliuraichean cruadalach a gheibhear gu furasda, a dh’fhaodas a bhean no ’chlann a chumail ann an rian, agus a dhuaisicheas iad aig na h-uile h-am de na bhliadhna le dos fhliuraichean gu iongantas a chuir air an coimhearsnaich uile. A streap thairis air ’ur sgail-thigh feumaidh planntan no dha de’n op a bhi airson a chleachdadh ann an deanamh leanna, agus rose dubailt dhuthaich Air airson fasgaidh agus sgeimh. Ros dorch agus glas chumanta China ri oisinnean an tighe no an cois ’ur n-uinneagan air am measgadh le pris Lauristinuis, arbutuis, agus piracantha; ’s na bithibh a dh’easbhuidh lus-a-chraois agus Solanum-dulcamara ann an cuid de dh’oisinnean de’r balla. Biodh agaidh planntanan de’n ros cheud-bhileach, agus de na caochladh rosan eile ann an oisinnean a’s dluithe do’r tigh. Anns na h-iomalan cuiridh fluir-an-t sneachd, Hepaticas, aconite gheamhraidh, tulipean dearg, Butanan-geala ’us buidhe an t-sheana-ghille, prime-ros, fluir na-gaoith, narcisus, crocus, couslipean, polianthus, lili gheal, lili bhuidhe, Dahlias, phlocs ioncuill, brog-na-cubhaig, agus na’s urradh sibh fhaighinn de fhliuraichean bliadhnail. Cuiribh oir de na seorsan cruadalach de auriculas measgte tiomchioll ’ur lios fhliuraichean, agus is tearc laithean ’sa bhliadhna air nach bi fliur bhriagha bheag air choir-eigin ann a neochiontas agus mhais a chum ’ur buaireadh gu sealtuinn oirre, agus an toileacheas so uile air gle bheag dhragh. Oir ni da uair a thiom ’san t-seachduin bho aon de’r clann am blath lios na dhealbh beag de mhaise. Ma’s urra sibh, biodh agaibh craobh chuilinn, laurel, rhohodendron air a shuidheachadh an ait sam bith; oir fasaidh iad fo n-’ur craobhan mheas, uirichidh an sior dhath uana agus am fliuraichean boidheach n-’ur suilean eadhon anns na laithean a’s tiomhaidhe no a’s cianaile ’sa gheamhradh. Ni iad sibh toilichte sona aig an dachaidh, agus bithidh smuaintean umpa na thoil-inntinn duibh ’nuair a bhios sibh fad as air falbh aig iasgach, agus creidimh mi, cha [TD 224] [Beurla] [TD 225] choir dhuibh an leithide de chuideachdas a chuir suarach, oir ni iad maith do na chridhe, bheir iad tionnda caoimhneil finealta dh’a, tha iad cumant ach beag do na h-uile dhaoine maith agus diadhaidh, agus gu radh ’ni’s lugha, tha iad a’ cumail a mach na droch smuaintean ud a tha cridhe dhuine ann a staid thruaillidh nadurach ro ullamh gu altrum. Misnichibh, ma ta, n-’ur clann ann an deigh air fliuraichean. Teagaisgibh dhoibh gu suidheachadh no cuir an sil ’sam freumhan anns a choille a tha dlu dhuibh, no ann am bruachan na’n uild ’sna’n aibhnichean; oir an uair a dh’fhasas iad sean, gabhaidh iad tlachd ann an dol a shealtuinn air aitean taghald an leanabaidheachd neo-chronail, agus bheir ath-chuimhneachadh na’n laithean a chaidh a seachad air ais am fogarach bho thirean fad as gu a thalamh nadurach fein a chum gu’m faigh a sheann fhalt aite foiseachaidh ann an tir an sinnsearan. Mu Sheilleinean. Tha na biastagan so cha ’n’e ’mhain luachmhoir airson an riarachadh de lon gle fhallan no shogh, a tha iad a’ toirt air bheag cosd, ach mar an ceudna airson an leasan chonnbhaileach a tha iad a teagasg le’n cleachdaidhean dichiollach, a tha ’ga n-ar treorachadh gu beachdachadh ni’s trice air gliocas ’us maitheas a Bhith Uile-chumhachdaich sin aig am bheil a Fhreasdal riaghladh agus a’ seoladh eadhon na biastan a’s suarraiche a ta ann. Is tearc comharradh a tha na dhearbhachd ni’s mo air teaghlach a bhi soirbheachadh na sreath de sgeipean sheilleinean ann an oisinn bhlath de’n lios air a chumail grinn, agus ged a tha e air a shaolsinn gu’m bheil an cumail ceart aig iarraidh mor sgil no call uine, cha’n urradh ni ’bhi ni’s amaidiche. Tha air a shaoilsinn fos gu’m bheil an aimsir air an iar-mhachar ro fhliuch airson iad do chinneachadh ann. Theagamh nach freagair iad cho tur mhaith ann ’sa fhreagras iad ann an tir thioram bhlath na Frainge no Bhohemia. ach cinnichidh iad cho maith as gu’m faod sibh an comhnuidh ’bhi cinnteach a uiread de mhil ’sa bhios na chuirm do’r clann fada na bliadhna, agus ann am bliadhnaichean shoirbheachail bithidh agaibh ni’s mo na dheth’n urradh sibh feum a dheanamh a dh’easbhuidh a creiceadh, agus so air chosduis a cheud sgaoith, is coslach a dh’fheumas sibh a cheaunach. A chum riaghladh gu ceart ’ur seilleinean ni aire do na bheagan riaghailtean so a leanas. sibh comasach air an uile sgil a dh’fheumar airson iad do chinneachadh. 1. Cothromaich do sgeap a roimhe, agus an deighe an sgaoith a chuir innte, agus cum cunntadh air a cuideam. Bithidh tu a reisd comasach gu breith a thoirt air an tomhas meala a bhios innte ’san fhoghair. [TD 226] [Beurla] [TD 227] 2. Feumaidh ’ur sgeapaichean a bhi air an dion bho na ghaoth le dige, no balla, callaid, no streath chraobhan no eirigh nadurach grunna. ’Se’n reuson airson so, gu’m bi na seilleinean’ ’nuair a bhios iad a’ tighinn dachaidh sgith le itealaich fhada agus le bhi trom luchdaichte le mil, neo-chomasach gu’n curs a stiuireadh gu doras na sgeapa le socair ma bhios osagan gaoith ann a’ sguabadh mu’n cuairt d’i; agus tuitidh moran diubh air an lair mu’n cuairt do na sgeap, bho nach h-urrainn tearc dhiubh am feasd eirigh roimh theachd fuaralachd ’us aitidheachd an anmoich orra a chum am milleadh. 3. Feumaidh uisge ’bhi am fagus do’r sgeapaichean, a chionn gu’n ol na seilleinean oibrichidh moran uisge ’san earrach; agus tha iad gle dheigheil air imeachd an cois fodair air a chuir air uachdar an uisge, agus air ol uiread sa dh’fheumas iad, gun chunnart tuiteam ann. 4. Is coir doras na sgeapa bi an taobh am bhi a ghrian bho deich gu da uair-dheug mheadhon-la, agus cha choir an sgeap a bhi air a togail os oeann 18 eorlaich bho’n lair. Agus a nis saoileamaid gu’n do thaisg ’ur seilleinean a naird an storas geamhraidh, agus gur maith leibh-se cuid dheth ’ghabhail maille riu. Tha mi ’gradh cuid dheth ’ghabhail, oir cha shaoil mi gum bheil sibh n’ur leithid a dh’amadanan a’s gu marbh sibh n-’ur seilleinean. Cha chan mi dad sam bith mu dheighne ain-iochdmhoireachd mhi-fheumail an doigh aibhisteach air toirt uatha na meala le ceo, ach a mhain fheoireachd ribh mur biodh duine air a mheas na amadan na’m marbhadh e a bho gu faighinn a bainne, agus nach b’urrar feum sam bith a dheanamh deth a closaich? 5. Mar a’s mo bhios agaibh de sheilleinean ’sann is mo bhios agaibh de mhil: tha sin cinnteach; oir muinntir aig am bheil mil, gad mharbhadh iad an seilleinean, bhiodh aca gu cinnteach ni’s mo na’n cumadh iad beo iad, direach mar a bhiodh agaibh ni bu mho bho 10 na bho 5 sgeapaichean, agus cha’n’eil doilcheadas sam bith no diomhairachd anns a chuis mar a chi sibh. 6. Mu chiad no dharna seachduin de mhios mheadhonach an Fhoghair tha blath an fhraoich thairis agus tearc de fhliurachean air fhagail airson na seilleinean gu faighinn mil dhiubh. ’Se so ma ta an tiom a’s fearr gu dheanamh ’mach ciod an tomhas meala a ’surrainn doibh a sheachaineadh: cothromaichibh gach sgeap agus thoiribh bho na cuideam sin [TD 228] [Beurla] [TD 229] an sgeap fhein agus na seilleinean mar a rinneadh a mach ’nuair a chaidh an sgaoth a steach innte an toiseach. 7. Ma tha duil agaibh ri sgeap a bhi beo fad a gheamhraidh, feumaidh si aig a chuid a’s lugha, 16 phuinnd, le 16 unnsainn gus a phunnd, de mhil, agus ma tha duil agaibh gu’n tilg i gu luath, is coir d’i 20 punnd a bhi aice, ach na bithibh a’ talach air 25 no 30 puinnd fhagail aca; oir ’s ann a’s fearr a chinnicheas iad. Feumaidh sibh a chuimhneachadh gur coir do sgeap de bliadhna dh’aois no ni’s mo, a bhi air a cheadachadh dh’i mu 30 no 36 phuinnd os ceann ciad chuideam na sgeapa ’s na’n seilleinean, ach do sgeap na bliadhna so, bithidh 16 no 20 puinnd gu leoir de ludhaigeadh; de bhrigh gu’n cothromaich seann chirean uiread ni’s mo na’n te uir. Cinnichidh sgeap le leoir meala mar sud ni’s fearr na aon aig am bi na cirean air an lionadh, de bhrigh, san Earrach, nach bi aig na seilleinean copanan falaimh gu leoir gu cumail aireamh gu leoir de dh’uibhean, air chor’s nach bi iad laidir a leoir gu tilgeadh ’sa bhliadhna sin. 8. Anns na h-uile bliadhna cha bhi aig cuid de sgeapaichean air a thasgaidh gu leoir meale gu mairsinn dhoibh gus an ath Earrach: ma bhios aca bho 10 gu 14 phuinnd, is fearr dhuibh a chuir ris uiread ’sa chumas taic riu. Mur ’eil an uiread sin aca, thoir uatha na tha aca agus cuir iad fein anns a sgeap aig am bheil gu leoir. Bheir sibh, uime sin, ’ur mil bho sgeapaichean aig am bheil os ceann 20 puinnd no ni’s lugha na 10 puinnd; ach cha choir a mhil a thoirt bho sgeap aig nach ’eil ach direach gu leoir, eadhon ged a thearuineadh sibh na seilleinean, do bhrigh leis sin gu’n lughdaich sibh ur stoc de sgeapaichean airson an ath bhliadhna, agus cha’n ’eil eagal gu’m bi agaibh cus sgeapaichean, no nach bi gu leor de fhliuraichean airson nan seilleinean uile air an urrainn ’ur sgil sibh a dheanamh n-’ur maighstirean. 9. A’ saoilsinn a reisd gu’n robh agad 3 sgeapaichean, 1. 2. 3. a chiad 1 de na bhliadhna mu dheireadh, an 2 agus 3 de sgaoithean na bliadhna so. Cha do thional a chiad aon ach beagan meale a thaobh an 3-aщh te bhi cho anamoch air teachd dh’i; abair 9 puinnd, agus aig an 3-amh 10 puind. Tha aig an 2-amh 47 puinnd. Ma dh’fhagas tu iad uile gun bheantuinn riu, faodaidh gu’m mair a chiad te agus an 3-amh gus an Earrach, ach gu cinnteach basaichidh [TD 230] [Beurla] [TD 231] iad an uair sin, no eadhon ged nach basaich iad, cha mho a thionaileas iad mil gu leoir gu’n cumail fein a suas tre’n ath gheamhradh, ’s cha toir iad dhuit sgaoithean. Anns a chas so, ma tha thu gle dheigheil air na 3 uile a chumail air chor’s gu’m meudaich do stoc, gabh an 2-amh te agus gearr air falbh gu toigheach mu 20 puinnd de na mhil aice mar a sheolar anns an 10-amh riaghailt, agus roinn i air a chiad agus an 3-amh te. Ach a thaobh gu’m bheil e coslach gu’m bheil thu fein no do bhean ’s do chlann deigheil air beagan meala an deigh fuireach cho fada air a son, thor a mhil uile as an 2-amh te, agus thoir do na chiad te agus an 3-amh te uiread ’sa dh’fheumas iad d’i, agus bithidh cach d’i agaibh fein, agus cuir seilleinean an 2-amh te anns an 3-amh te, (mar a sheolar ’san 11-amh riaghailt) agus mar sin fasaidh i laidir airson an ath bhliadhna. Tha an doigh cheudna gu bhi air a leanmhuinn ciod-air-bith an aireamh sgeapaichean a dh’fhaodas tu a bhi agad, agus se so an t-aon uaigneas ann do sheilleinean cinneachadh, “ a leigeadh leo gu leoir loin ’san fhoghair.” Cha dhean e’n gnothaich a thoirt doibh ’san Earrach, agus air cho do-chreidsinn ’sa dh’fhaodas e taisbeanadh gu’n dean an t-aon tomhas meala a chumas a suas aon sgeap foghnadh airson 2, no eadhon 3 sgaoithean eile air an cuir cuideachd ’san aon sgeap. 10. ’Nuair a shuidhicheas tu ma ta air toirt air falbh na meala bho sgeap, an darna cuid gu iomlan airson d’fheum fein, no airson a roinn ri sgeapaichean eile, a chiad mhaduinn bhriagha chiuin, an deigh do am tionail na meala a bhi thairis siubhail a dh’ionnsuidh do sgeap, armaichte le piopa tombac ann do bheul, mias mhoir airson na meala ann an aon laimh, agus sgian fhada leis an rinn lubte (mar an dealbh) agus ite geoidh no pulaidh ’san laimh eile. Seid 2 no 3 sheidean ceo a steach air an doras, a reisd tionnd an sgeap bun os ceann air an lair air chor’’s gu’n seas i gu socrach, agus gu grad thoir do na seilleinean (a thionaileas air iomail na’n cirean a dh’fhaicinn ciod a tha a’ dol air aghairt) beagan tuillidh ceo. Cuiridh so nam paisean iad cho mor ’s nach bi os ceann aon no dha comasach gu itealaich a mach, agus bithidh iad cho tinn ’s nach togair iad do lotadh. Toisich aig aon taobh de na sgeap agus gearr a mach cir, air dhuit an toiseach seideag [TD 232] [Beurla] [TD 233] cheo a chuir a sios gu thoirt air na seilleinean a dhol air falbh gus a mheadhon agus gus an taobh eile. Rach air d’aghairt mar mar so (a’ sguabadh na’n seilleinean de na h-uile cir leis an ite air an ais do na sgeap) gus an tig thu gus a chir mheadhonach, a’ cuir gach cir mar a ghearras tu i mach na luidhe anns an t-soitheach air a chomhdach le aodach. A reisd toisich aig an taobh eile, agus mu dheireadh uile, gearr a mach am meadhon. ’Sann a tha an t-aon seoltachd a co’sheasamh ann an seideadh air falbh na’n seilleinean gu cumail moran dhiubh bho bhi air am pronnadh. Chunnaic mise an obair gu trice air a dheanamh cho grinn sgiobalt ’s nach robh o’s ceann dusan sheilleinean air am marbhadh uile-gu-leir. Gabh an sgeap a nis agus suidhichi mar a bha i a roimhe. 11. An ath cheum, is e, an doigh air ceangal na’n seilleinean ri sgeap air bith anns bu mhaith leinn goireas a bhi aca; anns an fheasgar le sealltuinn a steach do na sgeap gheibh thu na seilleinean uile an crochadh anns a mheadhon, direach coslach ri sgaoth uir. Thoir an sgeap am fagus do’n te ris am bheil iad gu bhi air an ceangal. Faigh mu 8 lain spain-buird de mhil a ruith, no sirup cho tana a’s gu’n doirt e gu furasda, agus biodh e agad ann an siuga ri taobh na sgeapa a tha gu gabhail na’n coigrich. Seid beagan sheideagan cheo a steach air an doras, a reisd tionnd a naird i, de’n te lan, thoir dhoibh seideag eile no ’dha agus taom a mhil no’n sirup as an t-siuga thairis orra uile eadar na cirean air dhoigh gu’m bi iad gu tur air an smiuradh thairis. Sgaoil aodach glan anairt air an lar air beulaobh ua sgeapa le aon iomail air a thogail a ’naird air an fhiodh no air a chlach a’s lair do’n sgeap. Cuir da chlach bheag air a chumas e bho thuiteam a rithist agus an sgeap a chumail bho luidhe dlu ris an lair mar a bha i a roimhe. A nis suidhich an sgeap air dhoigh gu’m bi an t-aodach foidhe, an fheadh a chumas na clachan a beul’aobh mu’n cuairt do eorlach (no ni’s lugha) air a thogail a ’naird. Thoir a ’naird an sgeap anns am bheil na seilleinean, giulan i gu socrach thairis air an aodach, agus le aon seid buail a mach na’n seilleinean uile ’nam meal lair an aodach. Toisichidh iad gun dail ri streap a suas agus a dhol a steach do’n te lan, agus ged a dh’fhaodas cuid fantuinn a muigh re’n fheasgair theid na h-uile a h-aon diubh a steach roimh ’n mhaduinn, ’nuair a dh’fhaodas tu an t-aodach a thoirt air falbh, agus bithidh an da sgaoth an deigh sin beo cuideachd mar nach biodh a leithid a dh’aonachd ach na bhruadar. Na’n robh iad gu bhi air an aonadh a [TD 234] [Beurla] [TD 235] dh’easbhuidh an toiseach an smiuradh le mil, theagamh gu’m biodh leth gach sgeap no sgaoith air am marbhadh le sabaid. 12. An doigh a’s fearr air uidheamachadh sgeap eutrom ’san fhoghar le foghnaidh meala gu’n cumail gus an ath-bhliadhna ’se so e, mar a leanas. Gabh mirean de chir meala ann am mias, agus air bord beagan ni’s leatha no leud na sgeapa; ’seid beagan de sheidean ceo an tombac a steach air doras na sgeap eutrom, tionnd a ’naird i, thoir dhoibh beagan tuille ceo, agus gearr a mach cho liugha de chirean falamh ’sa lionas do mhirean lan. ’Nuair a chuireas tu a steach uiread de mhil ’sa dh’fheumas iad, cuir am bord air bonn na sgeapa, agus tionnd i gu toigheach thairis ’ga suidheachadh air a stol. Ann an 2 na 3 laithean ceanglaidh na seilleinean na h-uile mhirean de chir fhuasgailte ri an cirean fein, agus faodaidh tu am bord a thoirt air falbh. Anns an Earrach, ’nuair a ni iad falamh na copanan, tionnd a naird a sgeap, agus thoir air falbh na cirean falamh, agus cuiridh iadsan gu luath feadhain ura ’nan ait. Mur ’eil agad cir no mil gu thoirt dhoibh, dean uiread de shirup siugar as uisge air an goil cuideachd ’sa dh’fheumadh iad de mhil, no treacle agus uisge air tiuighead na meala, agns cuir a steach amaran fada fiodh aig an doras leis a bhiadh so. Cuimhnich, ma’s maith leat do sheilleanan cinneachadh, feumaidh tu so a dheanamh ’san Fhoghair ’s cha’n ann ’sa Gheamhradh no ’san Earrach 13. Anns a Gheamhradh; abair bho thoisich a Gheamhraidh gu toisich a Mhairt, bu choir do sgeapaichean a bhi air an suidheachadh le’n aghaidh air tuath, no co dhiubh cha choir leigeadh leis a ghrian idir soillseachadh orra, a chionn gu’m brosnaich i aireamh de na seilleinean a mach, agus gu’n caile iad an lus leis an fhuachd, ’us gu’n teid iad a dhith, agus ann an laithean blath grianach ithidh iad a dha uiread de’n storas geamhraidh ’sa dh’itheas iad ’nuair a bhios iad fo sgail. 14. Faodaidh ’ur sgeapaichean a bhi an dara cuid de fodar no fiodh. Cinnichidh seilleinean cho maith ann an aon air bith dhiubh; ach mairdh am fiodh cho mor ni’s fhaide, agus tha mhil cho mor ni’s fhurasda fhaighin a mach asda na as an fheadhain fhodaireach ’sgur iad a rireadh a’s roghnaichte. Bu choir do’n fhiodh a bhi eorlach ’us leth eorlach a thiuighead aig a chuid a’s lugha, airson cumail a mach araon teas agus fuachd. 15. Is coir caochladh meudachdain sgeapaichean a chumail, [TD 236] [Beurla] [TD 237] agus sgaoithean anamoch a chuir ann an sgeapaichean beaga, an fheadh a chinnicheas sgaoithean luathrach ni’s fearr ann an sgeapaichean mora. 16. An deigh sgaoth og a chuir ann an sgeap, ma bhitheas an aimsir fad bheagan laithean fliuch, feumar am biadhadh gu riaghailteach le sirup siugair no treacle ’us uisge, air neo is coslach gu’m basaich iad. 17. Na cuir idir maidean ann do sgeapaichean gu cumail taic ris na cirean; tha iad tur neo-fheumail, agus cuiridh iad bacadh air thu do ghearradh a mach na’n cirean gun mhor dhragh nuair a bhios an oibir sin feumail. CHA ruig sibh a leas innealan airson ’ur liois, ann ’ur staid-sa, a bhi lionmhoir no cosdail. Feumar an spaide, an racan, an sgribean, am bacan, a bhar chuibhle aig an fhearuinn. Faodaidh am faradh goirid a chleachdar mu thimchioll ’ur tigh ’s ’ur cruaichean a bhi gu leoir airson toirt a mhan mheas le tol a chuir anns gach taobh dheth aon cheann d’i, agus mar an ceudna ann ann da mhaide de’n aon fhada ri ’r faradh, agus maide a ruith troimh na ceithir tuill air dhoigh gu’n dean na maidean puist no pruip agus cumair direach a ’naird ri aghaidh na’n craoibhean anns ciod air bith an t-ait am feumar i. (Faic an dealbh.) Ma bhios ann trughail no spain-aoil chlachair airson cladhach mu’n cuairt do na fliuraichean, ni a dh’fhaodas a bhi feumail ann an caochladh ghnothaichean teaghlaiche, tha sibh ann an seilbh air buill-acfhuinn gu leoir airson uile fheumasan an liois. Mar so faodaidh a bhi aig gach tuath’nach co’fhuirtean agus taitneas a liois gun chuir-a-mach air bith ann an airgiod, agus le gle bheag de chaitheamh tiom, mu chleachdar gu curamach e. Siad so na h-uile bheachd-chomhairlean a tha an traths’ ag teachd na’m bheachd, mar bhi gle fheumail a thaobh ’ur loin, ’ur n-’aodaich, ’ur tighean, agus airneis, bataichean, lin, tuathanas, agus acfhuinnean, spreidh agus an euslaintean, liois, luibhean, fliuraichean, agus measan; agus, aithghearr mar a chomhnuich mi air gach ceann, cha’ ’neil mi gun dochas nach faigh ’chuid a’s liugha dhibh cha’n e ’mhain rud-eigin nuadh, ach gu’n ionnsuich sibh rud-eigin feumail a’s urrainn sibh gun dail a chuir an cleachdadh; oir mar cuirear na thuirt mi ’an cleachdadh cha’n fhiach e. Cha’ n’e gu’ bheil mi an duil ’ur faicinn uile toiseachadh [TD 238] [Beurla] [TD 239] ri atharrachadh an t-iomlan de’n doigh a th’agaibh an tra’s, agus ri gach ni a riaghailteachadh do reir mo bheachdan-sa, ach gu’m bheil mi g’earbsa nach ’eil neach sam bhi nach airmis, ann an leughadh thairis an iomlan, air rabhaidh air chor-eigin so fhreagarrach dha-fein, agus a’s urrainn e air ball a ghabhail, no aig a chuid a’s lugha do’n urrainn e deuchainn chothromach a thoirt. Cha’n urrainn reuson a bhi airson dearmad air cuir cuid an cleachdadh a chionn nach h-urrar an t-iomlan a choimhlionadh; oir an uair a tha cus air oidhirpeachadh an aon uair, tha tuisleadh no briseadh gu tric a’ leantuinn, agus air an aobhar sin cia air bith cho dona ’sa bha cleachdadh linnean a chaidh a seachad, bheirinn rabhaidh dhuibh an aghaidh oidhirpeachadh ri ath-leasachadh an doigh uile ro obainn. ’An ceart aghaidh sin bithidh mi ni’s earbsaiche a soirbheachadh mu dheireadh ’nuair a chi mi gach aon a’toiseachadh ri leasachadh ann an aon ni air chor-eigin agus a’ leanmhuinn sin a suas le ni eile an deigh do bhuaidh a cheud oidhirpean a dhuaiseachadh. Agus cha choir duibh thoirt thairis ged a bhiodh ’ur ciad oidhirpean air an comharrachadh le faillneachadh. Tha ’ur cleachdaidhean ’san am so cho mor an aghaidh iomadh de mo bheachdan-sa agus staid ath-leasachaidh ann an duth’chan eile, ’s gur ann a’s coslaiche gu’m fairich sigh bhi mi-thoilichte le’ur ceud oidhirpean air doigh nuadh. Ach toisichibh an toiseach ris na leasaichidhean ud a tha a’ tairgse ni’s lugha de dhoilcheadasan, agus a’s lugha a chuireas a dh’eis oirbh anns na doighean a th’agaibh; agus na bithibh gu furasda air ’ur mi-mhisneachadh, oir tha tuathanach dichiollach cinnteach gu’n coinnich e ri misneach bho’n uachdaran aige, ’an darna cuid ann an cumadh duais, aoil, no ni-eigin air leth eile, an fheadh a ni an leisgean le a neo-churam gach uile cho’ fhaireachdan airson a chruaidh-chas a bhathadh. Cuimhnichibh gur e leantuinn gu seasmhach an inneal a’s cumhachdaiche a th’againn, agus feumaidh gu’m buadhaich e. An so, theagamh, gu’m bu choir dhomh mo pheana ’chuir a seachad, gidheadh cha’n urrainn domh cumail air ais bho ni-eigin a radh air an ni buannachdail sin, Foghlum; oir ’sann air sin a tha an crochadh cha’n e ’mhain ’ar seasamh agus ’ar sonas ’an so, ach fos ’ar sonas neo-bhasmhoir. Cha’n’eil mi a’ ciallachadh an t-ainm foghlum a chleachdadh anns an doigh chumant ’am bheil e air a ghabhail; oir tha mi a’breithneachadh gn’m bheil sinn comasach air tomhas arda de dh’fhoghlum mhodhail, am foghlum a’s fearr le arach churamach thrathail air na cailtean gun eadhon ionnsachadh leughadh no sgribh- [TD 240] [Beurla] [TD 241] eadh. Thu sinn a’faighinn iomadh cosnach bochd neo-ionnsaichte ann am foghlum litireil, a tha ni’s diadhaidh, ni’s dleasaile, ni’s foighidniche, ni’s fialaidh, ni’s fein-aicheile, cha’n’e sin a mhain ach ann an seilbh air ni’s mo de dh’fhior dheagh oilean uasal na tha cuid a dh’ ionnsuich aig Ard-thigh-sgoile, no-colaisde. ’Surrainn domh, tha mi subhach a radh, fheuchainn bho mo shluagh fein, muinntir a tha gu tur neofhoghluimte ann an litirealachd, a bheir barrachd, anns gach buaidh ion-ghraidheach as an urrainn duineachd uaill a dheanamh, air samhlaidhean chumant ’ar sgoilearan a dh’ionnsuich aig Oxford no aig Dun-eidin, agus tha so ag eirigh ni’s mo bho ionnsachadh gu moch agus dheagh eiseimpleir pharantan thoigheach, na tha e bho mhaitheas nadurach chailtean no an olcas. Gu’m bu fada uime-sin a chumas sibh ’ur n-onaireachd dhuthchasach, ’ur spiorad fialaidheachd, agus ’ur n-oilean uasal. Gu’m bu fada ’chuimhnicheas sibh nach ’eil fior oilean uasal na thraillealachd, agus gu’m b’ann nach di-chuimhnich sibh am feasd gu’m bheil borbachd cha’ n’e mhain a’ cuir an di-mheas, ach mi-chriosdail,—agus gu’m b’ann a dhearbhas sibh do dhuthchan m’an cuairt duibh gu’m bheil spiorad modhalachd gu nadurach a’ sruthadh bho’n t-saorsainn agus an fhein-chomas sin a bha riamh agaibh, mar Ghaidheil, na oighreachd. Ciod na dreuchdan arda agus eadar-dhealaichte a reisd gus an togadh an leithid sin de mhuinntir ’sa tha mi a faotainn ann ’ur measgsa iad fein na’n robh iad air am beannachadh le Foghlum soillsichte? Bhiodh iad gun amharus na’m maise do na chomuinn. Ach feumaidh e ’bhi air a dhrughadh oirbh, gur ann a tha foghlum litireil, a dh’easbhuidh tomhas arda de dh’arach modhail luath ag eirigh bho fhaireachdainnean dhiadhaidh pharaintean agus luchd-teagaisg, ’na mhallachd, agus cha’n ann na bheannachd. Ach ma tha ’ur n-inntinnean gu ceart air an ulluchadh airson gabhail eolais, togaidh e sinn os cinn ’ur co’chreutairean an ire mhaith cho mor ’sa tha duine ’sa chumantas air a shuidheachadh os cinn bruidean an achaidh. Am measg na’n iomadh ath-leasaichidhean a dh’eirich bho chian ghiorid a naird, agus a tha uile ag aomadh gu toirt air aghairt a chinnidh-dhaoine gu staid siobhaltach mhodhail a bha air a chreidsinn bho chian bheagan cheudan bhliadhnaichean mach biodh sinn comasach air a shon, cha’n aithne dhomh-sa ni air bith a tha cho choslach ri cuir air aghairt ’ar turuis ’sa tha riaghailt Sgoil Naoidheinean, ris an do thoisicheadh an toiseach le fior chairid sin a chinnidh-dhaoine, Mr Uilderspin cairdeil geur-chuiseach Lunnuinn. Cha ’n aithris mi ’an so a dhoigh (leis am bheil clann nach [TD 242] [Beurla] [TD 243] ’eil ni’s mo na 6 bliadhna a dh’aois cha n’e mhain ni’s ionnsaichte na iomadh a tha de dhubailt na h-aois sin, a chuir seachad an tiom aig na sgoilean cumant’), a chionn gu’m faic sibh e air a chleachdadh aig aon sam bith deth a chuid-sa sgoilean ann ’ur duthaich fein ni’s fearr na’s ’surrar an traths’ aithris. Ach ’nuair a dh’innseas mi dhuibh gu’m bheil, le a dhoigh-sa, naoidheanan bho 2 gu 6 bliadhna a dh’aois, cha n’e ’mhain air fas ionnsaichte, ach gu’m bheil na droch aomaidhean nadurach a bha annta gu deanamh bhreug, gu goid, mi-run, boirbeachd, &c. air an sgrios, agus firinn, onoireachd, seimheachd, &c. air an cuir nan ait. Thuirt mi tha mi a’ smuaineachadh gu leoir cha n’e mhain gu thoirt oirbh ’ur naoidheanan a chuir do leithid sud de sgoil, ach gu dusgadh ann ’ur broillichean run gu leithid de sgoil a bhi agaibh ann ’ur dluth choimhearsnachd fein. Amhain smuainichibh air an diubhar eadar aon de’r clann fein aig aois 6 bliadhna, cha n’e ’mhain comasach gu leughadh, gu cunntadh, aithris laoidhean lionmhor, eolach air moran de eachdraidhean an t-saoghail, &c. ach uile dhroch thograidhean air an smachdachadh, agus deagh thograidhean air an cuir na’n ait, agus leanabh ’ur nabuidh air a leigeadh air a rian fein bho ghradh mearachdach, gun ionnsachadh, agus air a cheadachadh gu ruidhtearachd ann an diomhanas an fheadh a ta gach droch thogradh a’ fas mar a tha e fein a’ fas; agus an urrainn sibhse stad car mionaid bho chleachdadh gach uile dhichioll gu ruigsinn air a bheannachd so airson ’ur sliochd ionmhuinn fein? ’Sann do bhrigh nach eil aig iomadh pharaintean aon chuid comas, no gu minig uine agus cothrom airson teagasg an cloinne, a sparrainn orra iad a bhi air an earbsa ri curam maighstir agus bana-mhaighstir aig aois anfhann naoidheanachd. Aig an dachaidh faodaidh an leanabh iomadh de a dhroch thograidhean nadnrach a chumail a chionn nach ’eil aig a pharaintean foghnaidh neart, talant, agus leantuinneachd, no theagamh eadhon deon gu togal an cloinne gu ceart, thaobh nach ’eil eadhon an fheadhainn a’s fearr air an teagasg a ghna comasach air co’pairteachadh an fhoghlum ri muinntir eile, an fheadh a ta fo dheagh fhear-teagaisg aingidheachd gu tur air a mhuchadh, agus na cleachdaidhean a’s fearr air an drughadh cho laidir ’snach h-urrainn iad a bhi air dhoigh chumanta air an dubhadh a a mach ’sa bheath an deigh sin. Ach a thaobh gu’m faod iomadh dhibh a bhi gun chothrom feum fhaighinn de a leithid sud de sgoil, faodaidh na beachd-chomhairlean so a leanas a bhi feumail airson ’ur seoladh fein. Toisichibh og le ’ur teagasg. [TD 244] [Beurla] [TD 245] Tha mathar tur chomasach air a leanabh a theagasg ann an umhailteas agus ann an irioslachd, steigh na h-uile fhoghluim, an fheadh ’sa ta i fathast ’ga arach ris a bhroilleach. ’Surrainn mathar thoigheach a theagasg do a leanabh a bhi glan. ’Surrainn i a theagasg d’a comharraidhean thoirt ’nuair a tha a cobhar air iarraidh airson a chubhaidheachd phearsanta; agus tha e taitneach ri smuaineachadh gu’n urrainn a cheud teagasg le gach deagh bhan-altrum no mhathair a bhi an toiseach air a thoirt le oid-ionnsuich cho chaomh ’s cho nadurach. A risd tha fhios agaibh uile gur e umhailteas dhleasail aon de na buaidhean a’s taitniche ’san oige; agus tha aig mathar ann a comas an togradh so a thoirt leis na meadhonan a’s simplidhe, a mhain le a leanabh a chumail bho bhi ’an uireasbhuidh cho fada ’sgu’n eignich nadur e gu eigheach gu h-arda airson biadh; oir ma’s e ’san deigh lasan ghrad de chaoineadh gu’m bi a chail air a riarachadh, mar a dh’imreas a chuis a bhi, ionnsaichidh an leanabh gu luath gur ann le braiseachd ’us le sior-iarraidh a’s urrainn e ailgheas fhaighinn; agus tha sibhse a’ leagadh steigh ladurnais nach urrar gu furasda a mhilleadh. Thoiribh air an aobhar sin an ni tha feumail cho luaith ’sa dh’iarrar e, ach na toiribh dad idir gus an sgur ’ur clann de chaoineadh air a shon, oir an leigheas agaibhse le toirt sin a tha air iarraidh le caoineadh air a shon, ’sann a tha e ag altrum a ghalair. Gu’m bu fearr leat leigeadh le do leanabh a’ bhi a’ caoinedh re seal, a reisd tionnd aire air falbh beagan, agus ’nuair a bhios e samhach faodar a ni a dh’iarras e thoirt da. Anns an doigh so teagaisgidh sibh umhailteas aig aois mhoch-thrathach, agus cha’n’e mhain gu’m bi ’ur dragh an deigh sin air a lughdachadh, ach bithidh sibh gu pailt air n-’ur paidheadh le briodalan sliochd gradhach ’us dleasail. ’Sann le co’cheangal a chaomhalachd a’s gradhaiche ris an t-seasamhachd a’s daingne ann an diultadh an ni a dh’fhaodas a bhi mi-iomchuidh, a ni sibh cinnteach cha’n ’e mhain sonas ’ur leinibh, ach tha sibh aig earalachadh irioslachd chriosdail, agus ag ullachadh airson am maith shiorruidh; oir ma tha ’ur clann-sa mar so gu moch air an teagasg le leasanan na so-ionnsaichidh, bithidh an oibir an deigh sin ann an coimeas furasda. Dh’fhaodainn mile riaghailt a thoirt a chum ’ur seoladh ann an teagasg naoidheinean, ach bha a chuis sin cho chomasach air a laimhseachadh le Mr Uuilderspin ann a dhoigh teagaisg naoidheinean, agus le Mrs Childs ann a leabh- [TD 246] [Beurla] [TD 247] air na mathrach ’s nach h-urrra dhomhsa ni’s fearr a dheanamh na am moladh gu laidir dhuibh ri leughadh. Na’n robh an te mu dheireadh dhiubh air a chleachdadh aig sgoilean Sabaid, agus earrainn air a leughadh do na parantan, dh’fhaodadh gu’m biodh e cho feumail ri teagasg ’sam bith a dh’fhaodar a thoirt do ’ur clann; oir b’urra dhuibh aig an dachaidh riaghailtean ionmholta gidheadh fhurasda Mrs Childs a chleachdadh, agus bhiodh sibh gu luath dearbhte nach ’eil deagh ghiulan ’ur clainne an crochadh air n-’ur cruas-sa, agus an uair a tha fearg an cois peanasachadh, gu’m bheil e ni’s measa na bhi neo-fheumail; dh’fheuchadh sibh fos, tha mi saoilsinn, iarrtas ni’s mo airson iad a dhol do sgoil gu puncail riaghailteach; oir aig iomadh dhibh, tha eagal orm gu’m bheil leisgeulan am bochdainn agus seirbhisean fheumail tuathanais no iasgaich ro thric air an cleachdadh agus a cumail n-’ur sliochd bho fheitheamh air am fear-teagaisg. Ach theid an lethide sin de leisgeulan gu luath as an t-sealladh roimh iarrtas threibhdhireach airson an teagasg. Faodaidh cabhaig oibir an Earraich no an Fhoghair a bhi na leisgeul iomchuidh, ach am bheil sibhse ’gan cumail dlu ris an sgoil aig aman eile? Nach ’eil sibh a’ faireachdainn neo-churam co dhiubh a bhios no nach bi iad air an teagasg anns an leabhar sin air am bheil ni’s mo na sonas saoghalta air a chrochadh; ma tha a rireadh an speis sin agaibh do’r clann a tha sibh a gabhail oirbh, c’air son nach suidhicheadh sibh clas feasgaireach mar ann an iomadh aite eile, ’nuair a tha iad air am feitheamh le ceudan a tha ag urachadh an inntinnean le eolas ’nuair a tha an cuirp air an sgitheachadh le saothor troimh an la? Ni feitheamh air fear-teagaisg ri fad 2 uair gach feasgair aon sam bith aig aois 12 no 15 bhliadhnaichean a theagasg cha’ ’ne ’mhain gu leughadh, ach gu sgribheadh agus gu cunntadh anns ni’s lugha na 3 bliadhna, agus an urra’ neach air bith a chreidsinn nach ’eil e agaibhse ’nur comas a bhi maille ri maighstir aig a chuid a’s lugha le lamhan ’us aodainn air an nigheadh, eadhon ged a b’fheudar duibh a dhol ann le ur n-aodaichean salach oibrichidh bho leth-uair an deigh 6, gu leth-uair an deigh 8 gach feasgar a dh’easbhuidh a mhi-ghoireas a’s lugha, agus gun bheantuinn ri’r curaman laitheil. Ann an athghearr, cha ’n’eil leisgeul airson tur aineolas ach an leisgeul ro chumant agus nadurach, ar leisg dhualach fhein. Agus gidheadh an [TD 248] [Beurla] [TD 249] urrar aicheadh gu’m bheil cho mor a dh’eadar-dhealachdan eadar buadhan neo-ionnsuichte balaich a tha air fas na dhuine gun fhoghlum, agus inntinn an Fheallsanaich sin a tha a’ tuigsinn agus a ’surra dhearbhadh gluasadan na greine, na gealaich, ’sna’n reultain, ’sa tha eadar meinn neo-fheumail an iaruinn gun chladhach bho a mheinn nadurach agus cumaidhean spring chruaidheach uaireadir ag comharrachadh tiom ann an uaireadair le poncalachd a tha ’n ire bhi miorbhuileach? An urrainn neach air bith a bhi ’an amharus ciod an diubhar faireachdainn a bhios eadar an duine ainmhidheil a’ co’lionadh oibir lathail anns an fhalaimheachd inntinn a bhuineas do bhithean neo-thoinisgeil agus esan a tha ’g eutromachadh sgios na saothair le inntinn air a cleachdadh re fad na’n amain feumail airson lasachadh bho oibir leis ciod air bith a chuir aire an sas theagamh an raoir, agus a tamh air an fhirinn mhor mhodhail a bhuainnaich e? Co am bith a’s sona dhiubh? Co dhiubh a’s coslaiche ri deanamh oibir leis a churam, an aire, agus an t-seoltachd a’s mo? Co dhiubh a’s coslaiche ri bhi taitneach do na Bhith mhoir sin a thug dhuinn buadhan reusoin gun aobhar air bith eile ach a chum an aiteach; agus nach h-urrainn a bhi toilichte an fheadh a ta sinn a’ tilgeadh air falbh a thiodhlaicean a’s taghte? Tha fhios agaibh ro mhaith gu’m bheil foghlum na bheannachd bu choir a shireadh, agus ma dh’aidicheas sibhse gu h-onoireach, ceadaichidh sibh gur i an lunadaireachd sin a tha ro thric ’g an ’ar buaireadh gu dail a chuir air deagh oibrichean, a tha ’san t-seadh so cuideachd a’ cuir eis oirbh bho mhisneachadh ’ur clainne ann am feitheamh aig sgoil, agus a’ leigeadh leo fas a’ naird anns an staid aineolais sin a tha cha’n ’e mhain na pheacadh ach na mhasladh do’n duthaich ’am bheil sibh ’thamh. Cha’n ’e foghlum gidheadh a chrioch ach na meadhonan (oir sin ris an abrar gu cumant foghlum tha e ann an aithghear gun luach), a’ fosgladh agus a meudachadh ’ar n-inntinnean, ag ionnsachadh maitheas iongantach ’ar Cruathaighear thoirbheartach, a’ meudachadh ar taingealachd airson uile chaoimhneas, ’ga n-ar deanamh comasach gu bhi feumail do’r co’chreutairean, agus gu co’lionadh ni’s iomlaine na ruintean glic ud airson an robh sinn ar n-ar cruathachadh ’Siad so na criochan air am feumar ruigsinn le meadhonan an fhoghluim. [TD 250] [Beurla] [TD 251] Tha na h-uile fhoghlum air an d’rainig an duine a b’fhoghluimte bha riamh ann gun fheum mur dean e sinn ni’s fearr ann ar daimhealachdan mar pharantan, chlann, chompanaich, mhnathan, ’an aithghearr mur ionnsuich sinn a chuir an cleachdadh ann an seadh a’s lana, reachd luachmhoir sin a chreidimh chriosdaidh, “Gradhaich do choimhearsnach mar thu fein;” ach gur coir do gach aon aig am bheil toinisg fhallan ruigsinn air a chrioch so le deagh fhoghlum, tha e cho chinnteach ’sa tha gu’m bheil sinn ann. Agus na saoilibh gu’m bheil so a’ luidhe ni’s lugha ris a chuid bhoirionn na ’tha e ris a chuid fhirionn deth n-’ur clann; oir ma tha eadar-dhealachadh air bith ann, tha e na luidhe am fabhar a cheud chuid dhiubh a cbionn gur ann air cumhachd mhnathain a tha an crochadh araon sonas beath’ teaghlaich agus fonn cliu righeachdail ni’s mo na air na h-uile aobhar eile air an cuir cuideachd. Tha sinn air n-ar stiuradh bho na chreathail gus an uaigh leis na drughaidhean a tha mathair a’ cuir air ar naoidheanachd, agus sin mus ’eil aig athair (ge-air-bith cho chiallach ’us cho deigheil sa tha e) cumhachd a dheagh ruintean a dhrughadh oirnn. Faodar eisdeachd ri comhairl athair le deoin, ach cha’n urrar cuir an aghaidh deagh eiseimpleir mhathair air a dheagh ionnsachadh, agus ann am beath na h-oige ’nuair a the an cliu a’ gabhail cumadh cha bhiodh searmonachadh aingeil ach mar neo-ni dha. Cuimhnicheadh a leithid ’s air am bheil eagal roimh fheachd-imeachd na tuigse ann am firionn no boirionn gu’n robh clodh-bhualadh bho chian bheagan linnean ann an cainnt ginealach shaobh-chrabhach air ainmeachadh “innleachd dhubh,” agus iarram orra-san air am bheil an eagal so, fheuchainn dhomh an reuson airson am biodh fear-ceirde ni bu neo-dhichiollaiche de bhrigh e a bhi cho ionnsaichte ri Neuton. An ceart aghaidh sin tha mi a’ cuir an ceill na’n robh ar n-uile shluagh cho soillsichte, cho chomasach air reuson’chadh ri’r daoine a’s mo foghlum dh’fhaodadh sinn a reisd duil a bhi againn ri tomhas de dh’iomlanachd inntinneil ’us lamh-ghleusach ’sa tha fathast neo-aithnichte; oir co an sin a chuireadh an gniomh na h-amaideasan ud a tha a nis na’n aobharan mi-sheilbh do na chinneadh dhaoine? Co a bhiodh ciontach a eucoirean a tha a nis ach beag gu cinnteach a coinneachadh ri peanas eadhon anns an t-saoghal so? No co a reisd a bhiodh aineolach air na doighean a’s measaile air deanamh a ghnothaichean? A’ gabhail oirnn a leithid de staid foghluim agus air lorg sin gliocas a bhi ann, bhiodh olc neo-aithnichte, agus gus am bi e air a dhearbhadh gu’m bheil aineolas na bheannachd, gur iad a mhuinntir a’s foghluimte buill chomuinn a’s measa na ’mhuinntir a’s aineolaiche, na [TD 252] [Beurla] [TD 253] biodh neach air bith sasaichte leis na fhuair ar n-inntinnean de dh’eolas, no sguir do chleachdadh gach uile dhichioll airson a shliochd fhoghlum gu ceart. A’ saoilsinn gu’m bheil feumalachd deagh fhogluim air a dhearbhadh oirbh, gu’n d’fheith ’ur clann air sgoil naoidhein, agus an deigh sin air sgoil chlainne a’s seana, gu’n robh iad air an toirt air an aghairt cho fada anns na caochladh mheoir teagaisg ’sa tha feumail airson gnothaichean na beatha so airson an do chomharraicheadh iad. Am bheil sibhse a’ smuaineachadh gu’m bheil e neo-fheumail air n-’ur son-sa mar pharantan earrainn air bith a ghabhail ann am foghlum modhail? Am bheil sibh a’ smuaineachadh gu’n d’rinn sibh gu leoir le cuir a mach paidheadh sgoile, agus nach eil ni-eigin fathast air iarraidh dhibhse do’n robh sliochd air a thoirt fo’r curam le an Cruthaighear? Am bheil sibh a’ smuaineachadh nach faod ’ur clann, eadhon an deigh na h-aithntean a’s fearr a bhi air an ionnsachadh, dhol an cunnairt truaillidheachd bho eisempleir ’ur droch chleachdaidhean fein? Ma ni sibh miodal ribh fein gu’n urrain ’ur droch bheusan a bhi folaichte bho ’ur teaghlaichean, cha robh sibh a riamh ni’s mo air n-’ur mealladh. Tha a bheothalachd breithnichidh a tha ann an clann gu nadurach a’faicinn troimh na mhealladh leis am bheil sibhse ag oidhirpeachadh air ’ur truaillidheachdan fholach. Ma’se leis na briathran “na dean goid” ann ’ur beul, gu’n ruig sibh thar a choir ann ’ur bargainean, ma ni sibh feum deth ni sam bith nach leibh fein, no ma ghabhas sibh cothrom no buannachd mhi-dhligheach de shimplidheachd mhuinntir eile, tha sibh gu cleachdail a’ teagasg ’ur clann a bhi mi-onoireach. An urrainn sibhhse duil a bhi agaibh gu’m bi aca-san oillt roimh mhisg ma chi iad sibh deigheil air deochan laidir, no ma gheibh iad gu’m bheil leusgeul air a dheilbh le an athar airson gairm aig tigh-osda ’sa choimhearsnachd, agus gu’n labhrar mu dheighne an drama mhallaichte mar chusbair toilichidh? Ma mhisnicheas sibh ’ur leanabh le geallaidhean caoimhneil gu aideachadh coire, agus an deigh sin a pheanas’chadh, nach’eil sibh gu cleachdail a’ mi-mhisneachadh ’fhirinn? No ma chumas sibh mar ghnath-fhocal nach coir ni air bith innseadh a ’s urra dolaidh a dheanamh do’r buannachdan fein, agus ma chi ’ur leanabh ni air bith neo-iomchuidh air a dheanamh, agus gun abair sibhse cuimhnich nach h-innis thu e, air neo bithidh tu air do pheanas’chadh, an urrainn sibhse a bhi ’n duil nach dean e breug ge b’e uair a fhreagras e do dheanamh mar sin a ruintean fein? Ma tha sibh neo-stuaim ann ’ur cainnt, ro smachdail air a mhuinntir [TD 254] [Beurla] [TD 255] a’s ilse inbhe na sibh fein, no uaibhreach riu-san a’s airde inbhe, am bheil e gu bhi air a shaoilsinn nach truaill sibh ’ur muinntir bheaga, ’snach’eil sibh a’pronnadh anns a ghucag an t-seimheachd sin, a chaomhalachd sin, agus a charthannas sin a tha na’n comharradh eadar-dhealaichte air fior chriosduidh? Cha’n’eil mi a’ tilgeadh oirbh sibh bhi mi-onoireach, no gur caomh leibh a bhi og ol dhramaichean a tha cho maith air aithris:—Tha ’mhisg a’ cuir a mach an reuson, a’ cuir ghalair ’sa chorp, a’ lasadh na fola, a’ milleadh na cuimhne, na bana-bhuids do na mothachaidhean, na deamhain do an anam, na bana-mheirleach do na sporan, na bana-chompanach do’n deirceach, na h-an-aoibhin do na bhean, na bron do na chlann, na dealbh bruid, na fein-mhurtair, a the ag ol do shlaint mhuinntir eile, agus a’ milleadh a shlainte fein, cho maith ’sa’ milleadh sonas na’m muinntreach bu choir d’a a dhion, a ghradhachadh, agus altrum. Cha mho a the sibh ciontach de dheanamh bhreug agus de dhroch bheusan eile ann an tomhas gle mhor, ach tha mi ’radh gu’m feum sibh an t-iomlan a chuir uaibh mur maith leibh ’bhi ’guilan air n-’ur gualainnean, a tha cheana luchaichte, peacadh treoraichidh ’ur clainne gu peanas bith-bhuan. Gu’m bheil staid an t-shluaidh a’ fas ni’s siobhalta, gum bheil an creideamh criosdaidh gach la ’s gach bliadhna a meudachadh a chumachd ann an ciuneachadh, mur ’eil a’ sgrios n-ar tograidhean a’s measa, gu’m bheil sith agus deagh-ghean a gabhail an airde a bha roimh ’an seilbh dioghaltais le cogadh, agus a chuid uamhasan, the e gun amharus fior; agus an cuir sibhse ma ta an aghaidh ruintean Dhe le suidheachadh a leithid a dh’eisempleir do n-’ur clann ’sa bhacas an t-ath-leasachadh sin a dh’fhaodas sibh a chuideachadh air aghairt, no’m bheil sibh gu aicheadh dhoibh am foghlum sin air am feum iad so uile a bhi suidhichte? Tha mi gu dian ’an dochas nach ’eil, mo chairdean, agus dhoibhsan ris am bheil air earbsa ’ur teagasg diadhaidh-sa, tha mi ’fagail oibir sparraidh ’ni’s mo na ’s urra’ dhomhsa ’am feum a tha air deadh eisempleir le parantan gu deanamh cinnteach toradh sona bho shochairean an fhoghluim. Tha da ni araidh co’cheangailte ri diadhachd agus modhalachdan, a tha cho dluth air am figheadh maille ri’r sonas saoghalt ’sgu’n imir mi, roimh cho’dhuineadh, beantuinn gu h-eutrom orra. Tha mi ’ciallachadh smugailgeadh no cis-sheachnadh, agus posadh luath mhi-chiallach, agus tha iad araon, tha mi doilich, ann ’ur cleachdadh-sa, mo chairdean, ann an tomhas ro mhor. Nach ’eil sibh ag aideachadh gu’m bheil sibh ceangailte gu ’bhi umhailt do na laghan a tha ’an aghaidh [TD 256] [Beurla] [TD 257] smugailgeadh cho maith ri uile laghan eile dhaoine, a reir earail an Abstoil, 1 Peadar ii, 13 14, “Umhailtichibh sibh fein do gach uile ordugh dhuine air sgath an Tighearna,” agus, Rom. xiii, 7, “Thoiribh, air an aobhar sin, do na h-uile an dlighean; cis dhoibh-san do’m bheil cis dligheach,” anns an reachd sin lean an t-abstol a Mhaighstir Diadhaidh, a dh’orduich do na h-Iudhaich a “Thoirt do Chesar na nithe bu le Cesar,” Mat. xxii, 21. Agus nach ’eil laghan ar duthch-ne air am briseadh leis gach smugailear, co dhiubh a tharruingeas e uisge-beath ann ’ur creagan ’s’ur mointichean, no ghiulanas e an t-opium mhi-laghail do China, an Iompair neamhaidh, mar a theirear rithe? Nach ’eil cursa an smugaileir na cursa mhealltaireachd, ’us dheanamh bhreug, agus mheirle, anns an t-seadh as treise de na focail so; mealltaireachd, do bhrigh gu’m bheil e a gabhail air taisbeanadh onorach, an fheadh a ta fhios aige gu’m bheil e fein na chiontach,—deanamh bhreug, do bhrigh nach dana leis an fhirinn aideachadh, agus a ghniomhairean dorchadais fhoillseachadh,—meirle, do brigh gu’m bheil gach tastan a bhuannaichear leis a mhalairt mhallaichte so a’ toirt rud-eigin bho phocaid gach duine onorach a tha cuideachadh le cis uireasbhuidhean na Staide. Ciod na h-uamhasan a reisd a tha smugailgeadh a’ taisbeanadh ann am beachd mhodhail? agus gidheadh cha’n eil iad ni’s mo na an call a tha e a deanamh air n-’ur buannachdan shaoghalta fein. Cha chiallaich mi an so a mhalairt mhi-laghail ’sa chumantas, ach iarram oirbhse a cho’chuir anns a chuis as fosgailte do ’ur n-aire fein, tarruing uisge-beatha. Seallaibh mu’n cuairt, agus coimeasaibh aite taimh an smugailear ri aite taimhe a nabaidh a’s onoraiche agus a’s dichiollaiche. Nach ’eil sibh a’ faotainn eadhon ann ’ur dlu choimhearsnachd, ma ’se ’s gu’m bi air fortan faoilt’ re seal, gur ann a chum a ghruaimean a dheanamh ni’s cruaidhe an deigh sin? Nach ’eil aon ’an ceud a mhaireas beo gu mealtuinn a bhuannachdan mhi-onorach? no ma mhaireas, gu’n teid e sios a dh’ionnsuidh a chlainne le mallachd, a’ toirt mi-shealbh a chum gach uile a ghabhas iad os laimh, agus a’ dearbhadh firinn an t-sean-fhocail “Gur e onorachd an steornadh a’s fearr.” C’ait am bheil luchd-aitich uair-eigin shona Sthrath-bhrain a dh’ionaltair re fada cheudan bliadhna an treudan ann an sith gus an deach smugailgeadh coslach ri plaigh a steach, agus an do sguab air falbh cha’n e ’mhain an co’fhuirtean, ach an sluagh fein, [TD 258] [Beurla] [TD 259] agus gu’n do sgap se iad mar fhogairich air aghaidh an t-shaoghail? C’ait am bheil na cridheachan a bha aon uair aighearach ’us sona a ghabh tlachd ann a bhi ’an seilbh air gleann briagh agus faoilteach Shrath-chonain? Air siubhal ann am bochdainn ’us eigin ’am meadhon oilltean phriosuinean a chum na criche sin as nach pill fear-turuis air bith, no mar fhogairich agus luchd-fuadan gun dachaidh no ainm maith gu toirt dochasan airson fois thalmhaidh. C’ait am bheil na teaghlaichean a bha aon uair measail na’n tuathnaich air grunn soirbheachail na Toisidheachd? Thachair an aon truaigh dhoibh uile. Tha an dearbh ainmean ’us aitean-comhnuidh an ire a bhi neo-aithnichte. Tha mi a’ sgribheadh so ann am bron. Tha mi a’ faireachduinn gu gle dhomhain airson a ghinealach bhriagha uair-eigin a dh’aitich ’ar sliosan ’sar gleinn tharbhach; ash cha’n urrar an fhirinn a cheil; agus tha m’urnuigh gu durachdach ris na flaitheanas nach tachair a leithid ceudna dhuibhse, mo chairdean. Seallaibh air an smugailear, seallaibh air a theaghlach, air abhaistean cumanta, a dhachaidh, air gach ni mu’n cuairt da, agus coimeasaibh iad anns gach ponc ri taisbeanadh an tuath’naiche, no’n t-iasgair, shaothrachail a tha gu h-onorach an sas. Tha curam, tha iomaguin a mhealltair a’ suidhe air gruaidh an smugailear. Rinn oibir uairean mhi-nadurach mheadhon-oidhch a shnuadh shlainteil a shlugadh, agus a cruth a ghearradh le preasaidhean no sreamaidhean roimh mhithich. Tha a phears agus ’aodach air an deanamh duachnaidh le ceo agus salchar a’ cuir an ceill isleachadh thaireil. Faodaidh orainean ruidhtearachd no poitearachd tearc uairean a bheatha a bheothachadh. Faodaidh eifeachdan chaothaicheil na neo-mheasaireachd re seal sonas mac-meamnach a thoirt d’a, ach an uair a dhuisgeas e bho a mhearan, ciod a chi e mu’ thimchioll? Bean thruagh ’us mhi-shona,—theagamh teaghlaich ghoirteach agus neo fhoghluimte,—’aite-taimh air a mhilleadh le easbhuidh curam,—a bharran a dh’easbhuidh aire,—uile dhochasan an crochadh air na dh’fhaodas a bhi air a thoirt uaithe ann an aon uair le seirbhisich a righ ’sa dhuthaich, a tha fiosrach air a chleachdaidhean eu-coireach, ’feitheamh a mhain airson cothrom gu peanas’chadh a chreachadair mhi-laghail. Cha’n’e dealbh dathte a th’ann an so. Cha ’n’eil e a reir no co’ionann ris na tha ri radh mu dheighne beath an fhior smugailear; oir tha sin a’ gabhail a steach deanamh bhreug, meirle, misg, neo-gheamnuidheachd agus uile uamhasan cho’strigh agus dhroch nabuidheachd. Dh’fhaodainn so [TD 260] [Beurla] [TD 261] uile aithris gu mean ann an caochlaidhean gun chrioch, ach is fearr leam iarraidh oirbh beachdachadh air an atharrachadh a rinneadh bho chian beagan bhliadhnaichean auns an earrainn sin do’n ainm an t-Eilean Dubh, ann ’ur duthaich fein, far an robh uair-eigin uile dhroch bheusain ’us thruaighean na smugailgidh, agus as an robh e air a sgrios le dichiollan na’n uachdaireanan agus deagh thoinisg an t-shluaigh fein a thainig mu dheireadh gu faicinn peacadh agus amaideas an cleachdaidhean. Ciod a bha air lorg sin? An robh iad air an claoidh le bochduinn? Feoraichibh ris an t-seann sluagh, no eadhon ris an t-sluagh og aig am bheil cuimhne air an t-suidheachadh ’san robh iad bho chian 20 bliadhna, agus innsidh iad dhuibh gu’n robh an t-atharrachadh dhoibhsan na atharrachadh beannuichte a rireadh? Tha’n tighean, an aodach, am barr, an sealladh, an co’fhuirtean de gach seorsa, cho maith ’san ath-nuadhachadh modhail a’ cuir an ceill atharrachadh a tha taitneach do gach fear a tha ’gradhachadh a chinnidh dhaoine, agus bu choir sin a bhi air a dhrughadh air inntinn gach aon do’m bheil eucoir an smugailgidh a’ tairgse buaireadh. Do iomadh dhibh dh’aithris mi na tha mi an traths air sgribheadh agus fhreagair sibh, “Ciod a tha gu bhi air a dheanamh ri’r n-eorna?” Tha mise ’freagairt, am bheil sibh a’ gabhail fearuinn bho ’ur n-uachdaran airson a bhi a’ smugailgeadh? Am bheil e ag earbsa airson a mhail air buannachd malairt mhallaichte? Nach ’eil sibh le ’ur cumhnant-gabhaile air n’ur toirmeasg bho bhi a’ smugailgeadh? Agus ma bheir sibh thairis ’ur fearuinn nach faighear duine onorach a’s urrainn a mhal a phaidheadh gun an lagh a bhriseadh? A dhearbhas dhuibhse gu’m bheil an fhearuinn agaibh air mhal a’s fhiach i airson a h-aiteach gu dichiollach, ’us cha’n ann airson togail bhothainean dubha agus cladhach tuill gu folach toraidhean an smugailgidh. Ma dh’fheoraicheas sibh fathast ciod a ni sibh ris an eorna. Freagaiream, leanaibh eisempleir ’ur luchd duthcha ’san Eilean dhubh a fhuair cho mor a dh’fheum de’n atharrachadh, agus a tha na’n eisempleir bheo a’s urrainn dhuibhse a leantuinn. Lughdaichibh ’ur barran eorna agus na’n ait biodh agaibh coirc, seamrag, agus sneipean, leis am bi sibh ni’s fearr air n-’ur beathachadh agus ni’s iomchuidh airson tuille oibir. Thoiribh tuille aire do’r barran gorm, agus meudaichibh ’ur buannachdan le luach mheudaichte ’ur cruidh. Thoiribh thairis cleachdadh smugailgidh le ’ur n-eorna fein agus gheibh ’ur n-eorna gu luath ceannaiche, ge b’e [TD 262] [Beurla] [TD 263] uair a gheibh e gur fhiach e a shaothar a thighinn ’n-’ur measg. Gabhaidh mise mi-fein na h-uile grainne a dh’fhasas dhuibh, cuiridh mi e gus an fheill, agus bheir mi cunntadh dhuidh as gach tastan a ni e. Ach eadhon ged nach biodh feill ann, tha mi treibh-dhireach a’ creidsinn, na’n robh an ti-omlan de na tha-ar an trathsa a’ caitheamh ann an deanamh uisge-beath dheth, air a chaitheamh na mhin ann ’ur teaghlaichean, gu’m biodh sibh n-’ur luchd buannachd; oir cha’n’eil aon bhliadhna a nis a’ dol a seachad gun sibh a bhi an coman ’bhi a’ ceannach moran mine agus chum a’ ceannach’ tha ’ur n-uisge-beath air a chuir do’n Eilean Sgiathanach agus feilltean eile. A nis tha mi a’ cuir an ceill na’n robh an t-eorna air a bhleith a chum min, no na’n robh an deigh bhuntata coirc Hopeton air fhas an ait eorna, bhiodh agaibh gu leoir de ghrainn airson ’ur caitheimh fein gun a bhi an uidheam unnsa de mhin choirc a cheannach bho dhuthchan eile. Gu dearbh dh’fhaodadh Gearloch a bhi na duthaich a reiceadh ’mach coslach ri Inbhirnis, a thug mu 20 bliadhna ’roimh so a steach 20,000 bolla mine ’sa bhliadhna bho a coimhearsnachd fein. Agus cha’n’eil mise a’ faicinn reuson airson nach faodadh luchdan de choirc a bhi air an cuir as so gu feilltean Ghlasgo agus Libherpool, ma’s e’s gu’n atharraich sibh an doigh a thagaibh agus dichioll a dheanamh, smuainichibh air an uin a tha air a caitheamh ann am bleith n’-ur braich le bradh, an t-saothar a chaillear ann am bogadh, ann an tarruing ’sann an giulan ’ur n-uisge beatha. An caitheamh air brigh le ’ur doigh chabhaigeach ’us neo-iomlan air brachadh ’us oibre eile. Cuiribh ris so an cunnart calla a bheir sibh oirbh fein le ’r glacadh, agus cha’n urrainn amharus a bhi nach mi-bhuannachdail a mhalairt e, ged nach luaidhear a dhroch toraidhean mhi-mhodhail idir. Eadhon ged nach faodadh uiread de dh’airgiod a bhi air a bhuannachd leis an fhear-malairt onorach, gidheadh bithidh na gheibh e air fhaighinn gu h-onorach, gun bhioradh cogais a ’s fheudar a bhi air fhaireachduinn le gach duine onorach; cha toir e leis am mi-shealbh sin a leanas maoin air fhaighinn gu docharach. Ach cuiribh smugailgeadh as an tir, agus ni an caochladh ath-nuadhachadh ann ’ur cor, bithidh sibh air ’ur n-ardachadh ceum ni’s airde ann an inbhe na siobhaltachd, agus air do oibir an ath-leasachaidh a bhi aon uair air toiseachadh cleachdaidh sibh dh’ibh fein gach uile dhichioll gu spionadh a mach a leithid de phlaigh gu brath bho an duthaich air am bheil agaibh cho mor de mheas [TD 264] [Beurla] [TD 265] A nis tha mi ’gearbsa nach buin sibh gu suarrach ris na thuirt mi air a cheann-teagaisg so. Dh’fhaodar leabhraichean a sgribheadh gu dearbhadh eifeachdan millidh-air-deagh-bheusan na malairt mhi-laghail so, ach cha’n urrainn mi ’shaoilsinn gu’m bheil sibh fathast ag iarraidh argumaidean gu a dhearbhadh oirbh, agus cabhaigicheam gu mo phonc a cho’dhuineadh; eadhon an tur fheum atha air aire mhaith roimh dhol an sas ann an cumhnant cho chuideamach agus cho chunntach ’sa tha cumhnant staid phosda. Tha’n t-abstol Paul a radh 1 Cor. vii. 3, 8,—“Esan a tha toirt ann am posadh tha e a’ deanamh gu maith, ach tha esan nach ’eil a’ toirt ann am posadh a’ deanamh ni’s fearr;” agus a rithist, Eabh. xiii. 4, tha sinn a leughadh, “Gu’m bheil am posadh urramach anns na h-uile.” Mar sin ’nuair nach ’eil coire sam bith air a chuir as leth a phosaidh leis a cheud cheann teagaisg, agus gu’m bheil e air a chuir an ceill urramach anns an dara ceann, ’se sin theagamh an reuson airson am bheil cho liugha ’cabhaig’chadh gu bhi aonaichte airson beath gun bhi toirt fainear gu dligheach na’n cinn theagaisg ud, agus a dh’fheuchainn mur eil iad a’ gniomhaireachadh chum an eas-urram fein. Oir ann an cuir an ceill a phosaidh urramach, tha e cinnteach nach do bheachdaich an t-abstol air cuthach agus amaideas a bhi a’ tarruing co-strigh, broin, tinneas, agus cruaidh-chas oirnn fein agus air n-ar sliochd le a leithid de cheum. An ceart aghaidh sin tha gach earrainn de’n t-soisgeul a tha so-fhreagarrach ris a cheann so a’ saoilsinn staid a phosaidh a bhi na staid ghlaine, na staid ghraidh, na staid shonais mheudaichte ann an uile dhaimhean na beatha. Agus tha mi a’ feorachd ribhse, an iad an leithide sud a tha mar thoradh air lorg an di-curam leis am bheil sibh cho minig, cho og, a dol an coinneamh ’ur cinn anns a chumhnant a’s solaimnte de chumhnantan air thalamh. An urrra sibh a thionail bho’r Biobul gu’m bheil am posaidh urramach a dh’easbhuidh a ghaoil sin a tha na chomharradh air fior Chriosdaidh? Agus nach ’eil an sean fhocal saoghalta sin fior, “’Nuair a thig bochdainn a steach air an doras theid gaol a mach air an uinneag?” Cionnus a reisd a’s urrainn sibh sealtuinn airson gaol anns an staid phosda, mur dean sibh sibh-fein fiughail air le sughaireachd, toinisg, ’us deagh ghiulan? Tha e na dhearbhachd air amaideas dhaoine, gu’m bheil a chuid a’s liugha de dhaoine og a’ smuaineachadh gu’m bheil iad-fein sean agus glic gu leoir gu posadh agus gu riaghladh teaghlaich mus ’eil iad comasach gu riaghailteachadh an tograidhean cheann-laidir fein; agus tha e bronach gn’m bheil cho liugha a’ saoilsinn a phosaidh a bhi na thaiteanas, agus a’ ruidh an comhar an cinn do na cheangal as cuideamaiche de na h-uile cheangail, gun ullachadh a dheanamh airson coimhlionadh [TD 266] [Beurla] [TD 267] deasnas na staide sin. Cia cumanta a ta e ’bhi faicinn dithis a’ posadh agus a’ toirt bithean a chum an t-saoghail aig am bheil an teachd-an-tir bho dhearbh, thoiseachadh an aonachd an crochadh gu h-iomlan air culaidh-chobhair a dh’fhoadas droch shlaint agus mile tubaist a dheanamh neo-fheumail dhoibh. Faodaidh an leithide sin de mhuinntir an neo-churam a chuir fo fhasgadh a ghabhail orra ’bhi ’g earbsa ri Freasdal, agus gu’m bu fada uam-sa a bhi mi-mhisneachadh a leithid sin de mhuinntir; ach an e earbsa air Freasdal a thug dhuinn reuson airson riaghailteachadh n-ar giulan, a bhi a’ dearmad comhairl an reusoin sin, a bhi a’ toirt dulan do riaghailtean cumanta na toinisg, agus a reisd a’ gairm air Dia gu oibreachadh miorbhuil air n-ar son, agus n-ar duaiseachadh airson ar n-amaideas? An e fior earbsa air Freasdal a dhol cho iosal ri bithean mhi-reusonach, agus ar sliochd a thilgeadh air an t-saoghal le cho beag smuain mu dheighne a shonais an deigh sin, ’sa tha an ostrich a feuchainn ’nuair a leigeas i a h-ubh ’sa ghainmheach, agus fhagail gu bhi air a ghuir leis a ghrian ’s na gaoitean? ’Sann a tha a leithid sin do mhi-fhreasdal na thoradh a mhain air truaillidheachd ar buadhan as airde. agus a’ feuchainn dealbh a dh’fheumas a thoirt air duine truacanta ’bhi ’guil. Oir tha mi g’a mheas a bhi soilleir nach ’eil aig duine coir air bithean dhaonna a thoirt a dh’ionnsuidh an t-saoghail, nach ’eil comasach gu ullachadh airson an cumail suas agus am foghlum, agus esan a thig gu bhi na athar gun ni air bith na bheachd gu chlann a chumail bho thruaighean uireasbhuidh agus iarraidh dheirc, tha a ciontach a coire a tha gle bheag ni’s ilse na a leanabh fhagail ruisgte air na sraidean. Ann am Babharia, a tha na duthaich air dheagh riaghailteachadh agus shona, le ach beag bhochdainn, cha’n fhaod duine posadh gus an dearbh se e fein ann an seilbh air tomhas araidh de mhaoin, agus tha an lagh suidhichte air an steigh cheartais so,—gu’m bheil a chomuinn ag agairt urras bho na pairtidhean nach bi an slioohd nan eallach d’i oir lorg an aonachd-san. Theagamh gu’m bu choir dhuinn a leithid de lagh a shuidheachadh ’n ar measg fein, agus gidheadh b’fhearr leam a sheachnadh lagh a thoirt air a leithid. Cha dheonaichinn aicheadh do’n fheadhainn a’s bochda na taitneasan ud a tha ’g eirigh bho chleachdadh ar mothaichidhean a’s fearr agus a’s [TD 268] [Beurla] [TD 269] cuideachdaile; ach gu cinnteach tha mi ’g iarraidh air gach aon a thograidhean ainmhidheil a chuir fo smachd reusoin, agus gun a shonas fein agus sonas mhuinntir eile a mhilleadh, le e fein a leagadh cho iosal ris na bruidean, agus le mi-speis do dheachdaidhean comhnard na toinisg. Dh’fheoraichinn ribhse a tha deigheil gu dol a steach do na staid phosda, am bheil fhios agaibh air na h-eallaich a bheir i oirbh? Agus am bheil beachd reusonach agaibh gu’m bi sibh comasach gu’n coinneachadh? Oir mur’eil tha sibh ag ullachadh beath thruagh agus uireasbhuidheach air n-’ur son fein agus ’ur sliochd. Tha sibh a’deanamh dochar do ’ur nabuidhean le tilgeadh orra eallach cumail a suas an fheadhainn bu choir duibh-fein a chumail suas. Tha sibh a toirt luchd-oibir a chum an t-saoghail a tha a cheana fo chus stoc dhiubh. Tha sibh a toirt oibir ’us biadh bho’n fheadhainn aig nach’eil mar-tha gu leoir; agus tha mi a ’feorachd ribh mar bhithean diadhaidh, am bheil a leithid sin de ghiulan a reir ’ur dleasnais dhoibhsan mu’n cuairt duibh? Am bheil e a’ cordadh ri bhi a’ deanamh mar bu mhaith leibh ’bhi air a dheanamh dhuibh? Tha mi ’an dochas n’-ur faicinn a’ smuaineachadh ni’s glice air an ni chuideamach so. Tha mi ’g earbsa gu’m bi sibh air n-’ur seoladh le reuson ann ’ur gabhailean os laimh, agus gu’n creid sibh ’gu’m bi ’ur gniomhairean ni’s taitniche do’r Cruthaidhear thoirbheartach ’nuair a sheachaineas sibh gach ni a’s urrainn aomadh gu meudachadh peacadh agus truaighe shaoghalta a chinnidh dhaoine mu’m bheil againn reason gu chreidsinn gu’m bheil ar n-Athair neamhaidh a’ deanamh gairdeachas na’n sonas eadhon ann ar staid air tuiteam. Mo chairdean the mi ’nis a’ co’dhuineadh. Tha eagal orm gu’m faod e bhi gu’n do shaltar mi anns an earrainn dheiridh dhe’n oibir so air grunn nach buin do mo cheud run. Dh’fhaodadh gu’n d’oidhirpich mi air cus do phuincean, agus gun a bhi mean a leoir air aon air bith dhiubh, ach b’e mo bheachd-chusbair bho’n toiseach labhairt ribh gu dachaidheil saorsail air caochladh nithe, a tha co’cheangailt ri’r suidheachadh, air an do mheas mi mi fein a bhi le foghlum, aire, agus fein-fhios-rachadh, comasach gu toirt dhuibh ni’s mo a dh’ionnsachadh na a bha agaibh fein cothrom air ruigsinn air fhaighinn a roimh so. Tha mi a’ faicinn iomadh dh’ibh an traths’ a chomhnuidh ann am bothanan salach a tha araon a thaobh taisbeanadh an leth-muigh agus goireas an leth-stigh ni’s suarraiche na ni air bith a’s aithne dhomh ’san Roinn-Eorpa. ’Ur teine air a thogail air an urlar a’ cuir cheo dheth a tha a’ dol tre gach earrain de’n ionad-chomhnuidh ’a’ cuir mi-dhreach air agus a’ salachadh araon ’ur n-aodaich ’s ur n-airneis, agus [TD 270] [Beurla] [TD 271] an deigh an fheadhainn a tha ’stigh a leth thachdadh, a teicheadh gu cumanta a mach air an doras ’s air na h-uinneagan a roghainn air a dhol a mach air an toll a tha air fhagail anns a mhulach ann an riochd iosal air simleir. ’Sann a tha ’ur n-uinneagan freagarrach a mhain gu leigeil a steach an fhuachd, air neo gu cumail a mach an t-sholuis; oir an uair a tha na buird-dhuinidh fhiodha fosgailte cha’n’eil iad ach na’n simleirean cliathaich airson ceo, agus ma dhuinear iad, tha sibh ann an dorchadas aig meadhon-la. Tha mi doilich le fios a bhi agam gu’m bheil ’ur lon na leithid ’sa dhiultar ann an duthchan eile le muinntir nach’eil os-cinn ’ur suidheachaidh fein. Tha mi faicinn easbhuidh sgiobaltachd ann ’ur n-eididh, easbhuidh toigh air eadhon na h-aodaichean garbh a th’agaibh. Mu’n cuairt do ’ur n-ionad-comhnuidh cha’n’eil lios feumail no fliur thaitneach do’n t-suil. Cha’n’eil craoibhean ann a’tairgse ’an aon uair sgail ’us fasgadh. Tha na h-uile lom,—na h-uile na fhasaich,—na h-uile a’sealltuinn mar nach d’robh sibh ach n-’ur malanaich airson la, mar gu’m biodh duil agaibh ri namhaid borb a chuir bacadh air na h-uile churam ’us aire do na sheilbhich sibh. ’Ur fearuinn a dh’easbhuidh cha’n’e mhain garaidhean ach drainichean, agus a dh’easbhuidh na h-uile a ta feumail do dheagh thuathanas, an fheadh a ta ’ur spreidh fein ag innseadh gu’m bheil athleasachadh iomlan air n’ur doigh araich tur fheumail. Tha mi ro thric a’ faicinn ’ur clann a’ caitheamh an uine sin ann an diomhanas, mur’eil ann an eucoir, bu choir a bhi air a thoirt do sgoil agus do leasachadh an inntinn. Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil sibhse, mo luchd duthcha an ire ’bhi anns gach ni (ach tha mi ’gearbs faireachduinn cheart dhiadhaidh) air dheireadh air luchd-aitich na’n duth’chan ud eile a ’s eol domh agus tha mi ’g iarraidh atharrachadh airson ni’s fearr. Dheanainn gairdeachas ri faicinn sibh ag aiteach tighean suilbhir air an nigheadh geal le aol, anns am biodh aig a chuid a’s lugha tri seomraichean no rumaichean, leis an leth-stigh a’ toirt barrachd ann an glainead air taisbeanadh an leth-muigh, ri faicinn craobhan a ghealladh araon sgail agus fasgadh, ri faotainn an t-suil air a toileachadh le briaghachdan agus soghalachdan liois mu thimchioll ’ur n-aite-comhnuidh. Bu thaitneach leam fios fhaighinn gu’n robh n’ur biadh ni’s beathachaile cho maith ri ni’s blasda na sin a th’ agaibh an traths’,—fios fhaighinn nach d’fhairich sibh toraidh an fhuachd bho easbhuidh aodaich cho’ fhurtach, agus a bhi faicinn an aodaich Shabaid a’ leigeadh ris sgiobaltachd ’us eireachdas a chomharraicheadh ’ur n-urram airson an la naomh fois, agus dheanainn gairdeachas ri faicinn gu’n d’ rainigear air criochan an uile fhoghluim le [TD 272] [Beurla] [TD 273] fianuis’chadh dichioll, umhailteas agus fas dheagh-bheusain ’ur sliochd. Ann an aithghearr bu mhaith leam fhaicinn aig a chuid a’s lugha na seolaidhean a tha mi a nis a tairgse dhuibh air an cuir ’an cleachdadh, agus cha’n ’eil mi a’ faicinn reuson airson nach faod tiom agus mairsinn an t-atharrachadh a tha mi cho dian ag iarraidh a choi’lionadh. Suidhichidh gach uachdaran toinisgsach fearuinn fhearuinn air a leithid de chumhaichean ’s nach leig leibh call le leasaichidhean a ni sibh air ’Oighreachd-san; oir a bhi beo agus leigeadh a bhi beo, ’se’n raighailt ghiulan bu choir a bhi anns gach broilleach dheagh riaghailtichte, agus cha’n’eil amlaidhean nadurach air bith ri buaidh fhaighinn orra aon chuid ann ’ur suidheachadh, ’ur grunn, no ’ur staid aimsire gu toirmeasg a leithid de leasachadh. Ann an comharrachadh ’mach dhuibh meadhonan an leasaichidh, cha’n’eil mi ach a’ coi’lionadh dleasnas dhomh-fein cho maith as dhuibh-se; oir tha mi a’ meas mi-fein a bhi ’an seilbh air na th’agam a mhain ann an earbsa’ agus a chum gu’m b’urrainn domh na ruintean ud airson an robh mi air mo dheanamh nam’ stiubhart anns an fhion-lios so a choilionadh le cuir air aghairt slaint agus sonas na’n uile mu’n cuairt domh. Nach ’eil mi a’ faicinn an t-sail a tha ’nam shuil fein an fheadh a ta mi a’ comharrachadh ris an smuirnean a tha ann ur suil-sa, is failligeadh e a tha cumanta do dhaonnachd, agus tha eagal orm nach ’eil mise saor bho sin. Tha sibhse a’ faicinn iomadh de mo mhi-fhoirfeachdan-sa do’m bheil mi fein air mo dhalladh, agus bithidh dearmaidean, anabarr, agus iomadh coirean eile air am breithneachadh, eadhon anus an leabhar so nach h-urrainn dhomhsa fein fhaighinn a mach Ach tha mi ’g earbsa’ gu’n toirear do mo dheagh ruintean creideas, agus gu’n creid sibh mi ’nuair a tha mi a’ toirt cinnteachas dhuibh gur ann leis na h iarrtuisean a’s treibh-dhirich airson ur sonas a sgribh mi an obair bheag so, agus anns an am so guidheam gu caoimhneil agus gu teo-chridheach, slan leibh. A CHRIOCH.