[TD 1] [Blank] [TD 2] TWO SETTS OF CATECHISMS AND PRAYERS; OR, THE RELIGION OF LITTLE CHILDREN Under Twelve Years of Age. By I. WATTS, D. D. EDINBURGH: Printed by GAVIN ALSTON. MDCCLXXIV. [TD 3] DA LEABHAR CHEISTIN AGUS URNUIGHEAN; NO CRABHADH CHLOINNE BIGE Fuidh Dha Bhliadhna Dheug Aois. Le ISAAC WATTS, D. D. Clo-bhuailt ann DUNEIDIN: Le GABHIN ALSTON. MDCCLXXIV. [TD 4] [Beurla] [TD 5] CEUD LEABHAR CEASNUICH, AN LEINIBH OIG; NO LEABHAR CEASNUICH AIRSON LEANABH OG, Gu toìseach mu thri, no ceithir bliadhna dh’aois. CEIST. AN urrainn thu innseadh dhamh, a leinibh, co rinn thu? Freagradh. An Dia mòr a rinn neamh agus talamh. C. Ciod tha Dia a’ deanamh air do shon? F. Tha è ga m’ choimhid o olc a là agus a dh’ oidhche, agus tha è do ghna’ ag deanamh maith dhamh. C. Agus ciod a dh’ fheumas tu a dheanamh airson an De mhoir so, ata co maith dhuit? F. Feumaidh mi air tùs eòlas a ghabhail air, agus a rìs na huile nithe a dheanamh g’ a thoileachadh. C. C’ait’ a bheil Dia ag teagasg dhuinn eòlas a ghabhail air, agus a thoileachadh? F. Ann na fhocal naomha, ata air a chur sìos ann sa Bhiobla. C. A’ bheil fios agad co è Dia? F. Dia is Spiorad è; agus ged’ nach comasach dhuinne fhaicsin, gidheadh chì agus is aithne dha-sa na huile nithe, agus tha è comasach na huile nithe a dheanamh. C. Ciod a dh’ fheumas tu dheanamh chum Dia a thoileachadh? F. Feumaidh mi mo dhleasdanas a dheanamh thaobh Dhe agus thaobh dhuine. C. Creud è do dhleasdanas do Dhia? F. ’Sè mo dhleasdanas do Dhia eagal a bhi orm [TD 6] [Beurla] [TD 7] roimhe, agus onair a thoirt da, gradh agus seirbheis a thoirt da, urnuigh dheanamh ris, agus moladh thoirt da. C. Creud è do dhleasdanas do dhuine? F. ’Sè mo dhleasdanas do dhuine ùmhlachd thoirt do m’ pharantaibh, an fhirinn a labhairt do ghnà’, agus a bhi ceart agus caoi’neil ris gach neach. C. Ciod a’ maith ris a’ bheil dòchas agad le Dia thoileachadh? F. Ann sin bithidh mi a’ m’ leanabh do Dhia, agus bithidh Dia mar Athair agus mar Charaid dhamh gu bràth. C Agus ciod mur bi eagal De ort, mur gràdhaich agus mur toilich thu è? F. Ann sin bithidh mi a’ m’ leanabh aingidh, agus bithidh an Dia mòr ro-fheargach rium. C. Cia uime tha eagal ort roimh fheirg Dhe? F. Do bhri gur urra’ è mo chorp a mharbhadh, agus tha è comasach air m’ anam a dheanamh truagh an deidh do m’ chorp bhi marbh. C. Ach an d’ rinn thu nì air bith a cheana chum ’s gu ’m biodh Dia feargach riut? F. Rinn; tha eagal orm gu ’n do pheacaich mi tuill’ is tric ann aghaidh Dhe, agus gu ’n do thoill mi fhearg. C. Ciod ata thu ciallachadh le peacachadh ann aghaidh Dhe? F. ’Se peacachadh ann aghaidh Dhe, nì air bith a dheanamh tha Dia ag toirmeasg dhamh, no nì air bith a dhearmad tha Dia ag àithne dhamh. C. Agus ciod a dh’ fheumas tu dheanamh chum ’s gu ’m bi thu air do shàbhaladh o’ fheirg Dhe a thoill do pheacanna? F. Feumaidh mi bhi brònach airson mo pheacanna, feumaidh mi urnuigh dheanamh re Dia airson Maitheanas anns na chaidh seachad, agus seirbheis a dheanamh dha ni’s fearr ann san àm re teachd. C. An toir Dia maitheanas dhuit mu ni thu urnuigh air a shon? F. Is è mo dhòchas gu ’n toir è maitheanas damh, [TD 8] [Beurla] [TD 9] ma ni mi earbsa na throcair air sgàth na rinn, agus na dh’ fhuiling Criosd. C. A’ bheil fhios agad co è Josa Criosd? F. Is è mac Dhe fein è, a thainig a nuas o neamh g’ ar sàbhaladh o ’r peacaibh, agus o fheirg Dhe. C. Ciod a rinn Criosd chum daoine shàbhaladh? F. Thug è ùmhlachd do lagh Dhe è fein, agus theagaisg è dhuinne ùmhlachd thoirt dha mar an ceudna. C. Ciod a dh’ fhuiling Criosd chum daoine shàbhaladh? F. Bhàsaich è airson pheacairean a bhris lagh Dhe, agus a thoill gu ’m bàsaicheadh iad fein. C. C ’aite bheil Josa Criosd a nise? F. Thà è beo arìs, agus chaidh è suas air neamh a dh’ ullachadh àite air an sonsa uile tha deanamh seirbheis do Dhia, agus a’ gràdhachadh a Mhic Josa. C. An urrainn thu uait fein gradh agus seirbheis thoirt do Dhia agus do Chriosd? F. Cha ’n urrainn mi dheanamh dhiom fein, ach ni Dia còmhnadh rium le spiorad fein ma dh’ iarras mi air è. C. An d’ thig Josa Criosd gu bràth tuille? F. Thig Criosd arìs, agus gairmidh se mise agus an saoghal uile gu cùnntas airson na rinn sinn. C. Ciod a chrioch mu ’m bi an cùnntas so air a thabhairt? F. Chum ’s gu ’m fuigh clann De co maith ris na h aingidh, a reir an oibre. C. Ciod thig ortsa ma bhios tu aingidh? F. Ma bhios mi aingidh theid mo thilgeadh sios gu teine siorruidh ann ifrinn, a’ measg nan aingidh agus chreutaire truagha. C. Agus c’ait’ an d’theid thu ma tha thu a d’ leanabh do Dhia? F. Ma tha mi a’ m’ leanabh do Dhia bithidh mi air mo thogail suas gu neamh, agus ni mi còmhnuidh ann sin maille re Dia agus re Criosd gu bràth. Amen. [TD 10] [Beurla] [TD 11] Na h ainmeana tha ann SCRIOTUIRE na SEIN-TIOMNA. C. CO è Adhamh? F. An cèud duin’ a chruthaich D ia agus ar n’ athairne uile. C. Co ì Eubha? F. A cheud bhean a bha ann, agus b’ì ar mathair-ne uile. C. Co è Cain? F. A’ mac bu shine bh’ aig Adhamh, agus mharbh è bhrathair Abel? C. Co è Abel? F. Duin’ a b’ fhearr na Cain, agus air an abhar-sin dh’ fhuathaich Cain è. C. Co è Enoch? F. An duine thoilich Dia, agus bha è air a thogail suas gu neamh gun bhasacha. C. Co è Noa? F. An duine maith bha air a shàbhaladh ’n uair bha ’n saoghal air a bhàtha. C. C è Job? F. An duine bu mhò foighidin fuidh phiantaibh agus fuidh challdaichibh. C. Co è Abraham? F. Eisiomplair nan creidmheach, agus caraid Dhe. C. Co è Isaac? F. Mac Abram a reir gealladh Dhe. C. Co ì Sara? F. Bean Abraham, agus mathair Isaac. C. Co è Jacob? F. A’ mac a b òige bh’ aig Isaac, agus fhuair è beannacha athar le foill. C. Ciod è Israel? F. Ainm nuadh thug Dia fein do Jacob. C. Co è Joseph? F. Mac gradhach Israeil, ach dh’ fhuathaich a bhràthairean è, agus reic iad è. [TD 12] [Beurla] [TD 13] C. Co iad an da phriamh-athair dheug? F. Da mhac dheug Jacob, agus aithrichin popuil Israeil. C. Co è Pharao? F. Righ na Heiphte, a bhàth a chlann, agus bha è fein air a bhàtha sa’ Mhuir-ruaigh. C. Co è Maois? F. Fear-saoruidh agus fear-tabhairt-lagha do shluagh Israeil, agus threoruich se iad trìd an fhàsach. C. Co è Aaron? F. Brathair Mhaois, agus an ceud àrd-shagart a bha ’n Israel. C. Co iad na sagairt? F. Jad’san a dh’ofrail iobairtean do Dhia, agus a theagaisg a lagh do dhaoine. C. Co è Josua? F. Caiptein clann Israel ann deidh bàs Mhaois, agus thug è iad gu tír a gheallaidh. C. Co è Samson? F. An duine bu treise bha ann, agus mharbh è mìle do naimhdibh le cnàimh-peircill. C. Co è Eli? F. Bha è na shean-duine maith, ach bha fearg air Dia ris, chionn nach coimhdeadh è a chlann ò aingidheachd. C. Co è Samuel? F. Am faigh a ghairm Dia ’nuair a bha è ’na leanabh. C. Co iad na Faidhean? F. Dream a theagaisg Dia nithe re teachd inn’se roimh laimh, agus a dheanamh a rùin aithnichte do’n t saoghal. C. Co è Daibhi? F. An duine bha reir croidhe Dhe fein, agus a bha air àrdacha ò bhuachaille gu bhi na righ. C. Co è Golia? F. Am Fuamh-fhear a mharbh Daibhi le crannta-bhuill agus le cloich. C. Co è Absalom? F. Mac aingidh Dhaibhi a rinn ceannairc ann [TD 14] [Beurla] [TD 15] aghaidh athar, agus chuaidh mharabha nuair bha è ann crochadh re craoibh. C. Co è Solamh? F. Mac gràdhach Dhaibhi, righ Israeil, agus an duine bu ghlice bha ann. C. Co è Josiah? F. Righ òg ag an rabh croidhe maoth, agus bha eagal De air. C. Co è Isaia? F. Am faidhe labhair mu thimchiol Josa Criosda tuille na labhair chuid eile do na faidhibh. C. Co è Elija? F. Am faidh bha air a ghiulan suas gu neamh ann an carbad teine. C. Co è Elisha? F. Am faidh air an d’ rinn a chlann fochaid, agus reub math-ghamhain fiadhaich na ’m bloidibh iad. C. Co è Gehazi? F. Seirbheiseach an fhaidh, a dhinnis breug, agus bha è air a bhualadh le lobhrachd, nach do ghabh leigheas riamh. C. Co è Jona? F. Am faidh bha tri la, agus tri oidhch ann am broinn na muic-mhara. C Co è Daniel? F. Am faidh bha air a shàbhaladh ann uamhaigh nan leomhan, do bhri gu ’n d’ rinn è urnuigh re Dia. C. Co iad Shadrach, Meshach, agus Abednego? F. An triur Judhach nach deanadh adhradh do dh’ iomhaigh, agus bha iad air an tilgeadh san àmhainn theine, agus cha raibh iad air an losgadh. C. Co è Nebuchadnessar? F. Righ uaibhreach Bhabiloin, a chaidh air boile, agus bha è air iomain a’ measg nam beathaiche fiadhaich. Na h ainmeanna ata ann SCRIOBTUIR an TIOMNADH NUADH C. Co è Josa Criosd? F. Mac Dhe, agus slanui’ fhear a chinneadh-daonna. [TD 16] [Beurla] [TD 17] C. Co ì an Oigh Muire? F. Màthair Josa Criosd. C. Co è Joseph an saor? F. Neach a Mheasadh mar athair do Criosd, do bhri gun do phòs è mhathair Muire. C. Co iad na h Judhaich? F. Teaghlach Abraham, Isaac, agus Jacob, agus raoghnaich Dia iad mar Shluagh dha fein. C. Co iad na Geintilich? F. Na huille chinnich ach na h Judhaich. C. Co è Ceasar? F. Eampaire na ròimhe, agus uachdaran an t shaoghail. C. Co è Herod an Cumhachdach? Righ Judea, a mharbh a chlann ann am baile araidh, an dòchas gu marbhadh è Criosd. C. Co è Eoin Baiste? F. Am faidh dh’ innis do na h Judhachaibh gu ’n raibh Criosd air teachd. C. Co è Herod eile? F. Righ na Galili, a thug an ceann do dh’ Eoin Baiste. C. Co iad deisciopuil Chriosd? F. Jadsan a dh’ fhoghluim uaithe mar a’ maistir. C. Co è Nathanael? F. Deiscipil do Chriosd, agus duine gun fheill. C. Co è Nicodemus? F. An deiscipeil eagalach a thainig a dh’ ionnsuidh Josa san oidhche. C. Co ì Muire Magdalan? F. Bana-pheacair mhòr, a nigh cosa Chriosd le a deuraibh, agus a thiormaich iad le folt a cinn. C. Co è Lasarus? F. Caraìd do Chriosd, a thog è suas gu beatha, ann deigh dha bhi ceithir laeth marbh. C. Co ì Martha? F. Piuthar Lasarus, a bha air a ro-chùradh a deasacha’ cuirm do Chriosd. [TD 18] [Beurla] [TD 19] C. Co ì Muire piuthar Mharta? F. A’ bhean a raoghnaich a chuid a b’ fhearr, agus a chual’ Josa a’ searmonachadh. C. Co iad na habsdalan? F. An da d’heisciopul deug sin a raoghnaich Criosd mar àrd mhinisteiribh a shoisgeil. C. Co è Simon Peadar? F. An tabsdal a dh’ aich-shean Criosd, agus a rinn aithreachas. C. Co è Eoin? F. An tabsdal gràdhach, a luidh air uchd Chriosd. C. Co é Tomas? F. An tabsdal air an rabh è cruaidh a chur a dh fhiacha gu ’n deirich Criosd o na mairbh. C. Co è Judas? F. An deisciopul aingidh a bhràth Criosd le pòig. C. Co è Caiaphas? F. An t àrd-shagart a dhìt Chriosd. C. Co è Pontius Pilate? F. Uachdaran Judea, a dhorduich gu ’m biodh Criosd air a chèusadh. C. Co è Joseph o Arimatea? F. Duine saibhir a dh’ adhlaic Chriosd ann na uaigh fein. C. Co iad na ceithir soisgeulaichean? F. Matha, Marc, Lucas, agus Eoin, a sgriobh eachdaireachd bàis agus beatha Chriosd. C. Co iad Ananias agus Sapphira? F. Duin’ agus a bhean, a bha gu h obann air a’ marbhadh airson breug innse. C. Co è Stèphen? F. An ceud duine chuireadh gu bàs airson Chriosd. C. Co è Paul? F. Duin’ òg a bha air tùs na fhear-geurleanmhain, agus ann deidh sin ’na absdal do Chriosd. [TD 20] [Beurla] [TD 21] C. Co ì Dorcas? F. Bean mhaith a rinn eadaichean do na bochdaibh, agus thogadh o na mairbh ì. C. Co è Elimas? F. Duin’ aingidh, bha air a dheanamh dall airson labhairt ann aghaidh an t soisgeil. C. Co è Apollos? F. Neach a shearmonaich an soisgeul gu beothail dùrachdach. C. Co è Eutichus? F. Oganach a chodail ann san t shearmoin, agus air tuitim sios da, thogadh suas marbh è. C. Co è Timothi? F. Ministeir òg, aig an rabh eolas na n Scrioptuire o òige. C. Co è Agrippa? F. Righ air nach mòr do chuireadh dh’ fhiacha’ bhi na Chriosdaidh. URNUIGHEAN airson CLOINN BHIG. Urnuigh-maidne airson leinibh òig. A Dhe uile-chumhachdaich, Chruith fhear na ’n uile nithe air neamh agus air talamh; teichidh an dorachadas air falbh agus thig solus an là air h’ iartas; tha thu maith, agus tha thu do ghnà a’ deanamh maith. Bheirim buidheachas duit gu ’n do ghabh thu leithid a chùram dhiom air an oidhche so, agus gu ’m bheil mi beo agus fallain air a’ mhadain so. Sàbhail mi, O Dhe, ò olc air feadh an la so gu h iomlan, agus deonuich dhamh gràdh agus seirbhis thoirt duit gu bràth, air sgàth do mhic Josa Criosda. Amen. Tha ’m focal AMEN, ag ciallacha, gu ’m bheil mi creidsin gach uile nì tha mi labhairt, agus gu ’m bheil mi miannacha o m’ chroidhe gach nì tha mi ag urnuigh air a shon le m’ bhilibh. Nuair tha ’n leanabh cuig no sè bliadhn a dh’aois, feudaidh è an t’ AMEN so fhàgail a mach, agus an urnuigh mhaidne so chur beagan am fad, leis an dà earrain so a leanas a chur ria. [TD 22] [Beurla] [TD 23] Builich orm gach nì maith tha dh’easbhuidh orm airson mo chuirp, agus m’anama: dean còmhnadh rium le d’ spiorad naomh chum do thoil a dheanamh: dean mi a ghna’eagalach roimh oilbheim a thoirt duit, agus deònuich dhamh bhi beo agus bàsacha ann d’ ghean-maith. Eisd re urnuigh leinibh, O Thighearna, agus maith dhamh mo pheaca do bhri gu ’n do bhàsaich do Mhac gradhach-sa aon uair air talamh air son chreutaire peacach, ge d’ nach do pheacaich è fein riamh; agus anois’ tha è beo an am flaitheamhnas a dheanamh urnuigh air an son, agus d’ an sàbhaladh: gu ma beannaichte ainm gu bràth agus gu bràth. Amen Urnuigh-feascair airson leinibh òig. O Thighearna Dhe, da’naithne na huile nithe, tha thu ga ’m fhaicsin san oidhche co maith is ann san la. Tha mi guidhe ort, air sgà Chriosd, maith dhamh ciod’ ar bith a rinn mi air a dhochoir air an la an diugh, agus gleidh mi sàbhailt air an oidhche nochd ’m feadh ’s ata mi ’m chodal. Tha mi miannacha’ luidhe sios fuidh d’ chùram, agus còmhnacha gu bràth fuidh d’bheannacha, oir is Dia thus aig am bheil gach cumhachd agus tròcair shiorruidh. AMEN. Nuair a bhiòs an leanabh cuig, no se bliadhna a dh’ aois, feadaidh è an t’ AMEN so fhàgail amach, agus an urnuigh fheascair so chur a m fad, leis an dà earran a leannas a chur ria. Beannuigh mo chairdean uile * co maith rium fein: dean maith dhoibh ann s gach àm agus ann s gach àite, agus cuidich leamsa seirbhis a dheanamh dhoibh do ghnà’ ann an gràdh. Agus an uair a rinn mi da thoil an so, le ’d ghràs g’ am chomnadh, agus a mheal mi do shochairean air talamh, ann sin thoir àite do m’anam air neamh, gu còmhnuidh ghabhail maille riut ann sin, agus * Ann so feudaidh an leanabh a athair & a Mhàthair, agus cairdean eile ainmeacha. [TD 24] [Beurla] [TD 25] maille re d’ Mhac Josa Criosda: oir is leatsa neamh agus talamh agus gach ni ata ionnta gu bràth agus gu bràth. AMEN. Urnuigh an leinibh òig airson la an Tighearna, gu bhi air a cuir ris an urnuigh mhaidne. O Thighearna, na leig dhamh an la an diugh a mhi-bhuileacha’ ann am peaca agus ann aimideachd. Teagaisg dhamh tuill’ eolais a ghabhail ort, agus seirbhis a dheanamh dhuit ni ’s fearr na rinn mi riamh roimhe, chum ’s gu ’m bi mi ni ’s iomchùidh comhnuidh ghabhail air neamh san ionad am bheil t’ adhradh agus do sheirbheis gu siorruidh. AMEN. Urnuigh an leinibh airson la an Tighearna, gu bhi air a cur ris an Urnuigh fheascair. O Dhe ro-ghràsmhoir, na leig dhamh a choi lion nì maith is a chuala mi air an la an diugh a dhì-chuimhneacha gu bràth, ach gabhadh iad comhnuidh ann mo crhoidhe a chum mo bheath’ a leasacha’; chum ’s gu ’m bi mi comasach air deadh chùnntas thoirt orra a dh’ Josa Criosd ar Tighearna agus ar slanuigh-fhear, nuair thig è thoirt breith air an t shaoghal ann san la dheireanach. AMEN. Alltacha’ an Naoidheain roimh bhiadh. BEannuigh mi, O Thigearna, agus deonuich gu neartuich mo bhiadh mi gu seirbhis a dheanamh dhuit, air sgà Josa Criosd. AMEN. Altach’ an naoidhein ann deidh bidh. BHeirim buidheachas do Dhia tha tabhairt lòin damh re ìthe gach la do m’ bheatha, trid Josa Criosd. AMEN. [TD 26] [Beurla] [TD 27] Altach’ an leinibh òig roimh bhiadh. THa mi guidh ort, O Thighearna, gu ’n deanadh na nithe maith ata mi ag ithe agus òl mo chumail beo, agus comasàch air cail-eigin do sheirbhis a dheanamh dhuit, air sgá Josa Criosda do Mhic, agus ar slanuigh-fhear. AMEN. Altach’ an leinibh òig ann deidh bidh. BHeirim buidheachas dhuit, O Athair neamhaidh, airson m’arain lathail, agus airson gach beannacha, tha thu buileachadh orm: gabh re m’ bhuidheachas air sgàth Chriosd. AMEN. [TD 28] [Beurla] [TD 29] AN DARA LEABHAR CHEISTIN AGUS URNUIGHEAN; NO, Cail-eigin a chuideacha do chràbhdah Cloinne, agus an eolas air an Scrioptuir, O sheachd bhliadhna gu da bhliadhna dheùg dh’ aois. CEIST. A Leinibh, an bheil fios agad ciod thu fein? Freagradh. Is creutair le Dia mi, oir rinn è mi, araon mo chorp agus m’ anam. Is. xlv. 11. 12. Mar so deir an Tighearna—Rinn mi ’n talamh, agus chruthaich mi an duin’ air. Job x. 11 Sgeudaich thu mi le craicean agus feoil, agus dhaingnich thu mi le cnaimhean agus feithean. Sach. xii. 1. An Tighearna dhealbhas spiorad an duin’ an taobh a stigh dheth. C. Cionnas tha fios agad gu ’m bheil anam agad? F. Do bhri gu ’m bheil mi fainneacha nì eigin an taobh stigh dhiom ata comasach air smuainteach agus eolas, is urra miannacha agus togradh, gairdeachas agus bròn, nithe nach comasach do ’n chorp a dheanamh. Job xxxii. 8. Tha spiorad ann san duine. Job xxxv. 11. Neach ata ga’r teagasg ni ’s mò na beathaichin an talmhain, agus ata ga’r deanamh ni’ s glice no eanlaith neamh. Seann. xxiii. 7. Mar a smuainticheas è na chroidhe, mar sin ata se. Seann. ii. 10. Tha eolas taitneach do d’ anàm. Is. xxvi. 8. Tha togradh ar nanama dhionsuidh tainm. Sailm. xxxv. [TD 30] [Beurla] [TD 31] 9. Bithidh m’ anam aoibhneach ann san Tighearna. Math. xxvi. 38. Ata m’ anam ro-bhrònach. C. Ciod tuille na nithe ann san bheil d’ anam eidir-dhealaicht’ o d’ chorp? F. Ata mo chorp air a dheanamh do dh’ fhuil agus do dh’ fheoil, agus bàsaichidh è; ach is spiorad m’ anam, agus bithidh se beo an deidh do m’ chorp bhi marbh. Luc. xxiv. 39. Cha ’n ’eil aig spiorad feoil agus cnamha. Job xxxiv. 14. 15. Mù thionalas è annail agus a spiorad na ionnsuidh fein, theid gach feoil an mugha le cheile, agus pilidh duine gu duslach arìs. Eccles. xii. 7. An sin pillidh an duslach a dhionsuidh an talmhain mar a bha è, agus an spiorad a dhionsuidh Dhe thug uaithe è. Matth. x. 28. Na biodh eagal na muintir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach bhuil comas an t anam a mharbhadh. C. Creud a chrioch mu ’n d’ rinn Dia thu ad leithid a chreutair, le anam agus corp? F. Chum eolas a gabhail air, agus seirbheis a dheanamh dha an so air talamh, chum ’s gu gabhain comhnuidh agus gu ’m bithinn sonna maille ris an deidh so air neamh. An nì ata sgribht’ ann Is. xliii. 21. feadar a’ ra ris a chinne daone gu h iomalan. Dheilbh mi an sluagh so dhamh fein, taisbeanaidh iad amach mo chliu. Salm lxxiii. 24. Stiubhraidh tu mi le d’ chomhairle, agus an deidh sin gabhaidh tu mi chum glòire. Salm xvi. 11. Ann d’ lathair-se tha làn ghairdeachas. C. Cionnas a dh’ fhoghlamas tu eolas a ghabhail air Dia, agus seirbheis a dhenamh dha? F. Le scriobtuiribh naomh na Sein Tiomnadh agus na Tiomnadh Nuadh, noch is siad focal De. 2 Tim. iii. 16. ’Ta an sgriobtuir uill’ air a dheachdadh le spiorad De, agus ’ta è tarbhach chum teagaisg, chum spreige, chum leasachaidh, chum oilein ann am fireantachd. Luc. xvi. 29. Ata Maois agus na fàidhean aca; eisdeadh iad riu-san. 2 Phead. iii. 2. Chum gu ’m bi sibh cuimhneach air na briath- [TD 32] [Beurla] [TD 33] raibh a labhradh roimhe ribh leis na faidhibh naomh, agus air ar n aithne-ne abstola an Tighearna agus an t slanui-fhir. 2 Tim. iii. 15. Agus o bha thu a’ d’ leanabh gu ’m b’aithne dhuit na sgriobtuire naomha, a’ta comasach air thusa dheanamh glic chum slainte. C. Creud a ta na sgriobtuire aig teagasg dhuit mu eolas air Dia? F. Tha na sgriobtuire ag teagasg dhamh creud è Dia ann-fein, agus creud è d’ ar taoibh-ne a chreutairean. Faic na sgriobtuire fuidh ’n da cheist a leannas. C. Co è Dia, mar ata è ann-fein, no ann na nàdur fein? F. Dia ann na nàdur fein is spiorad è, ata làthair ann ’sna huil’ àite, gun toiseach, agus gu ’n deireadh, ro-ghlic agus ro-chumhachdach, ro-naomha, agus ro-throcaireach, ro-cheart agus ro-fhior. Join iv. 24. Is spiorad Dia. Jer. xxiii. 24. An comasach do neach è fein fholach ann aitibh diamhair chum ’s nach faic mis’ è, a deir an Tighearna? Nach bheil mise ag lionadh neamh agus talamhain? Salm. xc. 2. O bhith-bhuantachd gu bioth-bhuantachd is tusa Dia. Romh. xvi. 27. Do Dhia a’ ta ’mhain glic, gu raibh glòir. Taisb. iv. 8. An Tighearna Dia uile-chumhachdach, neach a bha, agus a’ ta, agus a bhitheas. Is. vi. 3. Is naomh, naomh, naomh, Tighearna na ’n sluagh. Exod. xxxiv. 6. An Tighearna Dia, gràsmhor agus tròcaireach. Deut. xxxii. 4. Dià na firinn, agus gu ’n ea-coir, is ceart agus comhthromach eisin. C. Creud è Dia d’ ar taoibh-ne’ ta na ’r creutairibh aige? F. Mar is sè ’n Día mòr ar cruith-fhear a thug dhuinn ar bith, mar sin tha è do ghna ga ’r gleidheadh agus ag deanamh maith dhuinn: is è ar Tighearna agus fear-riaghlaidh an san àm so, agus bithidh sè na bhreitheamh oirn fa dheirreadh. Salm c. 3. Biodh fios agaibh gur è ’n Tighearna is Dia, ’s eisin a rinn sinn, agus cha sinn fein. Salm [TD 34] [Beurla] [TD 35] xxxvi. 6. O Thighearna, ata thu gleidheadh duin’ agus ainmhidh. Salm. cxix. 68. Ata thu maith agus a’ deanamh maith. Salm. ciii. 17. Dh’ulluich an Tighearna a riogh-chathair’ ann sna flaitheasa, tha a rioghachd a’ riaghladh oscionn na ’n uile. Salm. l. 6. ’S è Dia fein is breitheamh. C. Cionnas ata na sgriobtuire a’ teagasg dhuit seirbhis a dheanamh do Dhia? F. Feumaidh mi seirbhis a dheanamh do Dhia le uil’ àitheanta a choimhid, se sin, leis na h’ uile nì ata è ag iarruidh orm a dheanamh, agus na h’ uile ní ata è cronnacha dhamh a sheachnadh. Deut. x. 12. 13. Creud ata an Tighearna do Dhia ag iarruidh ort? Aitheanta an Tighearna a choimhid. Ex. xxiv. 3. Na h’ uile bhriathraibh a labhair an Tighearna ni sinn iad. Salm. cxix. 101. Chum mi mo chassa air an aish o na h’ uile droch-shlighe, chum ’s gu ’n coimhidin ’t fhocal. C. Creud na h’ àitheanta thug Dia do dhaoine? F. Thug è lagh na ’n deich àitheanta do na h Judhaich ann sann t’ sein-Tiomna, agus tha iad air an cur sios ann dà àithne dhuinne ann san Tiomna nuadh. Deut. x. 4. Agus sgriobh è air na claraibh [cloiche] na deich àitheanta a labhair an Tighearna ribh air an t’ shliabh. Matth. xxii. 40. Ann san dà àithne so ata suim an lagha uille, agus nam faidhean. C. Aithris deich àitheanta Dhe gu h aith-ghearr’, a thug è seachad ann san t’ sein-Tiomna*. Creud í a’ cheud àithne? * Ata è ni ’s iomchuidh, ann leabhar Cheistin airson cloinne, an deich aitheanta’ a thabhairt seachad gu haith-ghear, agus gun an cur sios ann so gu h iomlan, ni nach bheil co feumail airson cloinne, agus a bhiodh trom air a’ Meoghair. Rin Criosd fein, agus an t absdal Pòl a nì ceudna ’n uair a dh’ athaithris iad cuid do na h aitheanta’ so. Faic Matth. xix. 18. and Rom. xiii. 9. Tabhair fai’near. Gu bheil cunntas sonnruicht’ air gach nì ’ta air iarruidh agus air a thoirmeasg ann sna h aitheantan so re ’m faicsin ann leabhar aith-ghear nan ceist. [TD 36] [Beurla] [TD 37] F. Na biodh Dee eil’ agad am fhia’ nais. C. Creud ì an dar’ àithne? F. Na dean dhuit fein iomhaigh ghrabhalta, no aon dealbh nithe a ta air neamh no air talamh, gu cromadh sios agus aodhradh dha. C. Creud ì an treas àithne? F. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann diamhanas. C. Cia ì a cheithreamh àithne? F. Cuimhnich la na Saboid a choimhid naomha. C. Creud ì an chuigeadh àithne? F. Tabhair onoir do d’ athair, agus do d’ mhathair chum gu ’n sìneadh do laithe. C. Creud ì an seitheamh àithne? F. Na dean marbhadh. C. Cia ì an seachdamh àithne? F. Na dean adhaltranas. C. Cia ì an t ochdamh àithne? F. Na dean goid. C. Creud ì an naoiamh àithne? F. Na dean fia’nais bhreig ann aghaidh do choimhearsnaich. C. Creud ì an deicheamh àithne? F. Na sanntaich dhuit fein aon nì bhuineas do d’ choimhearsnach. Faic na h aitheanta’ so uilè ann san fhichiod caibdeil do Exodus, o ’n cheud ran gu ’s an ochdamh ran deug. C. Creud is suim do na deich àitheantaibh so, a ta air an tabhairt dhùinne an san Tiomna nuadh? F. Sè ’s suim do na deich àitheantaibh, Gu ’n gràdhaich thu an Tighearna do Dhia le d’ uile chroidhe, agus gu ’n gradhaich thu do choimhearsnach mar thu fein. * Alta na naoi ceistean agus freagran a leannas air an gnathacha’ ann dleas’nais agus peacaidh thaobh Dhe agus duine, do bhri gu ’n d’ thig a’ nì so na ’s mò ann taobh a stigh a dh’ eolas agus ghnathacha’ cloinne. Maith-dh’fhaoite gu ’meas cuid a dhaoine an cunntas so tuill’ is fad ann leabhar cheistin co ghairid: agus ni measadh dream eil’ è co iomlan agus mhionaideach is a bail [TD 38] [Blank] [TD 39] Matth. xxii. 37. 38. 39. 40. A dubhairt Josa ris, Gràdhuichidh tu an Tighearna do Dhia le d’ uile chroidhe, agus le d’ uile anam, agus le d’ uil’ inntin. ’Si so an cheud áithne agus an àithne mhòr. Agus is cosmhuil an dara ria so, Gradhuichidh tu do choimhearsnach mar thu fein. Ann san dà áithne so ata suim an lagha uile, agus nam fàidhean. Ciod ata thu ciallacha le Dia ghràdhachadh le d’ uile chroidhe? F. ’Se Dia a ghràdhachadh le m’ uile chroidhe na smuainte is fearr agus is urramaich a bhi agam mu thiomchioll; a chairdeas a mhionacha oscionn na h’ uile nì, agus tlachd a ghabhail na thoil a dheanamh do ghna. Neh. ix. 15. Tha t ainm glòrmhor air àrdacha os-cionn gach cliu agus beannacha. Salm lxxiii. 25. Co ata agam air neamh ach thusa? agus ni bheil neach air talamh ata mi miannacha ach thu. Sal. lxiii. 3. Is fearr do chaoimhneas gràidh na beatha. Sal. xl. 8. ’Ta mi gabhail tlachd an do thoil a dheanamh O mo Dhia: seadh, ’ta do lagh sgrìbht an taobh a stigh do m’ chroidhe. C. Cionnas a dh’ fheumas tu do ghrádh do Dhia a nochdadh? F. Leis na tri nithe so. 1. Leis an adhradh sin thoirt da do ghna ata è ag iarruidh orm. 2. Leis na h’ uile nì eile ata è ’g áithne dhamh a dheanamh gu croidheil. 3. Leis na nithe sin a ghiulan gu foighidneach a leigeas è am charraibh. C’ ait’ air bith a’ bheil am freagradh air a’ roinn ann pairtibh le figeiribh, (1.) (2.) (3.) feudaidh ’m fear teagaisg an cheist a labhairt aig gach figeir, agus mar so am freagradh a dheanamh ni’s àisich do ’n leanabh. 1 Deut. vi. 13. agus Matth. iv 10. Bheir thu àdhradh do ’n Tighearna do Dhia, agus dhòsan ’n leo, do bhri gu bheil ath-athairis na’n nithe sonnruichte sin ata air an cur sios gu soilleir ann sna deich àitheantaibh air an seachnadh ann so. Cha ’n ’eil ath-athairis air an nì cheudna feumail ann am beachd co ghearr, no co ghairid air a’ chreideamh. [TD 40] [Beurla] [TD 41] a aonar do ni thu seirbhis. Sal. v. 7. Ann a d’ eagal ni mi adhradh m’ aghaidh re d’ theambull naomh. (2.) Exod. xxxiv. 11. Thoir fainear ann ni tha mi ’g àithne dhuit. Sal. cxix. 34. Coimhididh mi do lagh, seadh, coimhididh mi è le m’ uile chroidhe. (3.) Romh. xii. 12. Foighidneach ann triobloid. Mica vii. 9. Giulainidh mi fearg an Tighearna, do bhri gu’n do pheacaich mi ’na aghaidh. C. Ciod an àdhradh ata Dia ag iarruidh ort? F. Feumaidh mi èisteachd gu durachdach re fhocal naomh, agus a mholadh airson a mhòrachd agus a mhaitheis; feumaidh mi urnuigh a dheanamh ris gach la airson na ’n tròcaire ata dh’ easbhuidh orm, agus buidheachas thoirt airson na tha mi fàotain. Deut. xxviii. 1. Mu dh’ eisdeas tu gu durachdach re guth an Tighearna do Dhia.——cuiridh è ann àird thu. Sal. lxxxv. 8. Eisdidh mi ciod a labhras an Tighhearna Dia. Sal. cxlv. 3. Is mòr an Tighearna, agus re bhi air a chliuchadh gu mòr. Sal. cxxxv. 3. Molaibhse an Tighearna oir ’ta se maith. Col. iv. 2. Buanaichibh ann urnuigh, a’ deanamh faire innte le breith-buidheachais. Sal. lv. 17. Moch agus ana-moch, agus mu mheadhon-la ni mi urnuigh. Sal. cxviii. 1. O thugaibh buidheachas do ’n Tighearna, oir ’ta se maith. Eph. v. 20. A’ toirt buidheachais a ghna’ air son nan uile nithe do Dhia. C. Agus ciod ata thu a’ ciallacha le do choimhearsnach a ghràdhachadh mar thu fein? F. Mo choimhearsnach a ghràdhacha mar mi fein, ’se sin, a dheanamh do na h’ uile neach mar bu † mhaith leam iadsan dheanamh dhamhsa na ’m bithinn san staid cheudna. Matth. vii. 12. Gach uile nì bu mhiann libh daoine dheanamh dhuibh, deanuibhse a leithid dhoibhsin mar an ceudna: oir is è so an lagh agus na faidhe. C. Cionnas a dh’ fheumas tu do ghràdh do d’ choimhearsnach a thaisbeanadh? † mhiann. [TD 42] [Beurla] [TD 43] F. Leis na tri nithe so: 1. Le umhlachd agus uram thoirt dhoibhsin a chuireadh os mo chionn. 2. Leis an fhirinn a labhairt agus buntuin gu ceart riusan uile ata mu ’n cuairt damh. 3. Le deagh-rùin, agus maith a dheanamh do n’ chinne-daoin’ uile, cia achd ata iad na ’n cairdibh, na ’n coigrich, no na ’n naimhdibh. Faic an Comhthar aig C. 23. (1.) Romh. xiii. 1. Biodh gach anam umhal do na hàrd-chumhachdaibh. Eeabh. xiii. 17. Bithibh freagarrach d’ ar cinn iuil, agus thugaibh gèil doibh. (2.) Eph. iv. 25. Labhraibh an fhìrinn gach neach re choimhearsnach. Romh. xiii. 7. Thugaibh do gach uile neach an dlighe fein. Romh. xii. 17. Ulluichibh nithe ciatfach am fia’nais nan uile dhaoine. (3.) Rann 10. Bithibh teo-chroidheach d’a cheile. Gal. vi. 10 Deanamaid maith do na h uile dhaoinibh, ach gu hàraid dhoibhsin a ’ta do theaghlach a’ chreiddimh. 1 Phead. ii. 17. Gràdhaichibh na braithre. Deut. x. 19. Gràdhaichibhse an coigreach. Matth. v. 4. Gràdhaichibh bhur naimhdibh, beànnaichibh an droing a mhallaicheas sibh, deanaibh maith do na daoinibh air am beag sibh. C. Dhinnis thu dhamh na dleasdanais a dh’ fheumas tu dheanamh; an urra thu innseadh dhamh mar an ceudna na peacaidh a dh’ fheumas tu sheachnadh? F. Feumaidh mi uile pheacaidh a chroide, peacaidh na teanga, agus gniomhara peacach na beath’ a sheachnadh. Sean. iv. 23. Coimhid do croidhe leis gach uile dhichiol. Matth. xv. 19. Oir is ann as a’ croidhe thig droch smuaintidh. Salm. xxxiv. 12. Coimhid do theanga o ’olc. 14. rann. Seachain olc agus dean maith. Col. iii. 9. Chur sibh dhibh an sean duine, (i. e. nàdar peacach) maille r’a ghniomhartha. [TD 44] [Beurla] [TD 45] C. Creud iad peacaidh a chroidhe *? F. Is iad so peacaidh a chroidhe, dio-chuimhn’ air Dia, àrdan agus crossantachd, mi-run agus farmad, leis gach uile dhroch smuaintidh, agus an-togradh mi-riaghailteach eile. Salm x. 4. Cha ’n iarr an taingidh an deigh Dhia, cha ’n ’eil Dia ’n a’ smuaintibh uile. Sean. xv. 5. Is uamharachd do ’n Tighearna gach neach ata † uaibhreach na ’n croidhe. Jer. vii. 24. Ghluais iad ann an droch-smuainteadh an droch-croidhe. Eph. iv. 31. Biodh gach uile shearbhas agus corruich—air an tog’ail uaibh, maille ris gach uile mhi-run. Gal. v. 26. Na bitheamaid deidheil air glòir dhiomhaoin,—a gabhail farmaid r’ a chèile. Matth. xv. 19. ’S ann as a’ chroidhe thig droch smuaintidh. Gal. v. 24. Jadsan a ’s le Criosd, chèus iad an fheoil, maille r’ a h an tograibh agus a hain mhiannaibh. Matth. v. 22. Ge b’e neach aig am bi fearg r’ a bhràthair gun àdbhar, gu ’m bi sè ann cunntart na breitheamhnais. C. Creud iad peacaidh araid na teanga? F. Is iad peacaidh araid na teanga mionnacha agus mallacha, mi-ghnathacha ainm Dhe no nì air bith ’ta naomh, fochaid agus a’ gairm dhroch ainmibh, breugan agus caint shalach. Sheum. v. 12. Roimh na h uile nithe, mo bhraithre, na deanaibh mionnan. Romh. xii. 14. Beannuichibh agus na mallaichibh. Lev. xiv. 12. Ni mò a mhi-naomhaicheas tu ainm do Dhia. 2 Phead. iii. 3.—Luchd fochaid, ag im’eachd a reir an ain-miannaibh fein. Sean. xix. 29. Ata breitheamhnas air ullachadh air son luchd fanoid. Matth. 22.—Ge b’e neach a deir, amadain, bithidh se ann cuntart tein’ ifrinn. 1 Phead. iii. 9. Na ìocuibh càineadh air son cáineadh. * Bhiodh è tuill’ is fadalach, agus mi-iomchuidh ann so, cunntas thoit air gach peaca croidhe, bilidh, agus beatha: tha na peacaidh sin amhain air an ainmeacha dh’ fheudas clann a thuig sin, agus d’ am bheil iad air uairibh ciontach. Faic cunntas ni ’s farsainne ann san Dionadh o pheac’ agus amaideachd. † àrdanach. [TD 46] [Beurla] [TD 47] Col. iii 8. cuiribhse uaibh na nithe sin uile, fearg, corruich, mi-run, toibheum, cainnt shalach as bhur beul: Na deanaibh breug da cheile. C. Creud iad na gniomhartha peacach sin dh’ fheumas tu sheachnadh? F. Is iad gniomhartha peacach a leithid so, cràos, meisg agus comh-stridh, giùlan macnasach agus mi-bhuileachadh tìm, go sonnruichte là an Tighearna; a’ toirt eas-onoir do Dhia, no a’ deanamh eacoir air duine. Luc. xxi. 34. Thugaibh an aire dhuibh fein, an t eagal uair air bith gu ’m bi bhur croidhe fuidh uallaich le geocaireachd, agus le meisg. Sheum. iv. 1. Cia as ata cogaidh agus comhraig a’ teachd ’n air measg? Nach an as a so, eadhon o bhur nain-mhiannaibh. 1 Thess iv. 11. Deanaibh bhur dìchioll a bhi ciuin, agus bhur gnothuiche fein a dheanamh. Romh xii. 11. Gun bhi leasg ann gnothuichibh. Romh. xiii. 13. Gluaiseamaid gu cubhaidh mar ann san là; ni h ann an ruidhteireachd agus am meisg, no an seomradoireachd agus am macnus. Rhomh. xi. 23.—An toir thu, le briseadh an lagha, eas onoir do Dhia? Romh. xiii. 9. 10.—Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fein. Cha dean gràdh lochd da choimhearsnach. C. Na bhris thu àitheanta Dhe uair ar bith, agus na pheacaich thu na aghaidh? F. Tha mo chroidhe agus mo chogais fein ag innseadh dhamh, gu ’n do bhris mi àitheanta naomhtha Dhe, agus gu ’n do pheacaich mi ’n a aghaidh, araon ann smuaint, ann briathar, agus ann gniomh. Sean. xx. 9. Co is urr’ a’ radh, rinn mi mo chroidhe glan, tha mi fior-ghlan o ’m pheaca? Sheum. iii. 2. Ann am mòran nithe ’ta sin u le ciontach. Mur ’eil duine ciontach ann am focal, is duin’ iomlan an ti sin. Eccl. vii. 20. Cha n’ eil duin’ ionruic air an talamh ata deanamh maith, agus nach bheil a’ peacacha’. C. Cionnas ata fios agad gu ’n do pheacaich thu [TD 48] [Beurla] [TD 49] ann aghaidh an Dia bheannuichte ann smuaint, ann briathar, agus ann gniomh? F. Leig mi le droch smuainteadh ruith tuill ’is tric ann am inntin, agus labhair mi mòran do dhroch bhriathraibh, rinn mi gu minic na gniomhara sin ata olc, agus dhi-chuimhnich mi an nì sin ata maith. Faic na sgriobtuirean fuidhh an cheist a chuaidh seachad. C. Cia uaithe tha è tachairt gu ’n raibh thu a’ d’ leithid a pheacair? F. Rugadh mi do ’n tshaoghal le tograibh a chum an nì sin ata olc, agus lean mi na tograibh sin tuille na choir rè mo bheath’ uile. Sal. li. 5. Feuch dhealbhadh mi ann cionnta, agus ann am peaca ghabh mo mhathair mi ’n a’ broinn. Gen. viii. 21. Tha smuaint croidhe an duine olc o oige. Eph. ii. 3 ’Measg an raibh againn uile mar an ceudna ar caithe-beatha roimhe so, ann ain-mhiannaibh ar feòla a deanamh toil na feola, agus nan smuaintidh; agus bha sin thaobh naduir ’n ar cloinn na feirge, eadhon mar chàch. C. Cionnas a bha thu air do bhreith le leithid a thograibh gu olc a dheanamh? F. Tha an cinne-doin’ uile air am breith ann am peaca, do bhri gu ’n d’ainig iad o Adahmh, an ceud duine pheacaich ann aghaidh Dhe. Job xiv. 4 Co ’s urra nì glan a thoirt amach a’ nì neo-ghlan? Cha ’n urr’ a h aon. Job xv. 4. Creud é duine, gu ’m bithidh è glan; no eisin ata air a bhreith le mnaoi, gu ’m bithidh è firinneach! Romh. v. 12. Tre aon duine thainig peacadh a steach do ’n t saoghal. 19 Rann. Trìd eas-umhlachd aon duine rinneadh mòran ’n am peacaichibh Cha ’n ’eil tuill’ air a chur sios ann san leabhar cheistin so mu pheaca gein, no ’ta gach Criosduidh aig aidmheil; ni mo gu ’n amharus ata leinnibh comasach air cùnntas is mionadaiche mu ’n teagasg so a thuigsin. C. Ach cia uime a lean thu na droch thograibh so? nach b’ è do dhleasdanas cur nan aghaidh ’nuair a bha fhios agad gu ’n raibh iad olc? F. Bu chòir dhamh cur an aghaidh gach togradh peacach; agus air an adhbhar sin, cha n’ eil leisgeul [TD 50] [Beurla] [TD 51] iomchuidh agam air mo shon fein am fiadhnais ann De mhòir. Romh. vi. 12. Na rioghaicheadh am peacadh ann bhur corp básmhor, ionnas gu ’n d’ thugadh sibh umhlachd dha, ’n a ain-mhiannaibh. Romh. i. 20. 21. Tha iad gun leith-sgeul aca: Do bhri ’n uair a b’ aithne dhoibh Dia, nach d’ thug iad glòir dha mar Dhia;—ach dh’ fhas iad diomhaoin ann nan reasonacha fein. Romh. iii. 19. Chum gu ’n druidfeadh gach uile bheul, agus gu ’m biodh an saoghal uile ciontach am fia’nais De. C. Ciod ata thu toiltinn air son do pheacaidh? F. Thoill mo pheacaidh fearg agus mallachd an De uile-chumhachdaich a rinn mi. Eph. v. 6. Air son nan nithe sin ata fearg Dhe a’ teachd air cloinn na h eas-umhlachd. Gal. iii. 10. Is malluichte gach uile neach nach buanaich ann s gach uile nithibh a ’ta sgriobht’ ann leabhar an lagha chum an deanamh. Is. xxvii. 11. An ti a rinn iad, cha dean è tròcair orra. Toir fai’ near, Gu bheil mallachd Dhe a’ tuitim, air duine airson peacaidh, ’n uair a bheir an Dia mòr thairis gu follasach, no dh’ orduicheas è neach a dh’ fhulang pian, naire, no bàs, no iad sin uile le cheile, airson peacaidh. C. An bheil fearg Dhe co uabhasach is nach urra tu a giulan! F. Tha fearg Dhe uabhasach gu ’n amharas, oir tha è comasach a thoirt air peacairean uile thruaighibh na beatha so fhullang, piantaibh a bhàis, agus do-ghraineadh ifrinn gu siorruidh. Nah. i. 6. Co ’s urra seiseamh roimh’ a choruich †? agus co ’s urra comhnuidh ghabhail ann cuthach fheirge. Romh. i. 32. ’Is se breitheamhnas De gu bheil iadson a ni an leithide sin do nithibh toillteanach air bàs. Luc. xii. 5.—Biodh eagal an ti ud oirbh, aig am bheil cumhachd, tareis neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrionn. Marc. ix. 45.—Do’n teine nach mùchar a chaoidh. † dhiom. [TD 52] [Beurla] [TD 53] C. Cionnas tha dùil agad re dol as o fheirg Dhe a thoil do pheacaidh? F. Tha Dia tròcaireach, agus chuir è Josa Criosda dh’ ionnsuidh, ’n t saoghail so gu bhi ’n ’a shlanuigh-fhear do chreutairibh peacach, mar ata an soisgeul a’ teagasg dhùinne. Join. iii. 17. Cha do chuir Dia a Mhac do ’n t saoghal, chum gu ’n dìteadh è ’n saoghal; ach a chum gu ’m biodh an saoghal air a shàbhhaladh trìdsin. Matth. i.21.—Bheir thu Josa dh’ ainm air; oir saoraidh sè a bhobull fein o ’m peacaibh. 1 Thess. i. 10. Josa a shaor sinne o’ n fheirg a’ ta re teachd. 1 Tim. i. 15. Is fior an ràdh so, agus is fiu è air gach aon chor gabhail ris, gu ’n d’ thainig Josa Criosd do n t saoghal a thearnadh pheacach. C. Creud è an soisgeul? F. Is è an soisgeul nuaidheachd aoibhinn air slighe ’na slainte trìd Josa Criosd, a bha air a roimh- innseadh ann s an t Sean Tiomnadh, ach ata air fhoilseachadh gu soilleir ann s an Tiomnadh Nuadh. Gal. iii. 8 Air fhaicsin roimhe do ’n sgriobtuir gu ’m fireanaichead Dia na Cinnich tre chreidimh, shearmonaich è an soisgeul roimh laimh do Abraham, ag radh, bithidh na h uile Chinnich air am beannachadh annadsa, i. e. Rann 16.—Agus do d’ shìol-sa, neach a’ s è Criosd. Luc. ii. 10. 11. Ata mi ’g innseadh dhuibh deadh sgèil mhòir-aoibhneis—oir rugadh dhuibh an diugh—slanui’-fhear, neach is è Criosd an Tighearna. Faic 1 Cor. xv. 1. 3. 4. Rom. iii. 22. Marc. xvi. 15. 16. C. Co è Josa Criosd? F. Is è Josa Criosd Mac Dhe, a bha maille re Dia roimh chruthachadh an t saoghail, ach dh’ fhás è ’n a Mhac an duine, agus ghabh è comhnuidh maille re daoine, mu ’n cuairt do sheachd ceud deug bliadhna roimhe so. Join x. 36.—Dubhairt mi, ’s mi Mac Dhe. Join xvii. 5. Agus a noise, Athair, glòraich thusa mise maille riut fein, leis a ghlòir a bha agam maille riut [TD 54] [Beurla] [TD 55] mun raibh an saoghal ann. Join i. 1. 14. Ann san toiseach bha am focal, agus bha ’m focal maille re Dia—agus rinneadh am focal ’n a fheoil, agus ghabh se comhnuidh ’n ar measgne. Join v. 27.—Do bhri gur è Mac an duine. C. Nach bheil Josa Criosda ’n a Dhia, co maith ’s ’n a dhuine? F. Ge do tha è ’n a dhuine, gidheadh tha è ’n a Dhia mar an ceudna; oir is pearsa glòrmhor è, ann san bheil Dia agus duine ceangailte re cheile, agus is è ’s ainm dha Emmanuel, no Dia maille ruinne. Join i. 1.—Bha ’m focal maille re Dia, agus b’ è ’m focal Dia. 1 Tim. ii. 5. Oir is aon Dia a’ ta ann, agus aon eidir mheadhoin-fhear eidear Dia agus daoine, an duine Josa Criosd. Col. ii. 9. Ann-san ata uil’ iomlaine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh gu corporra. Romh. ix. 5.—Neach ata ’na Dhia os ceann nan uile, beannuichte gu siorruidh. Matth. i. 23.—Beuraidh maighdean mac, agus bheir iad Emmanuel dh’ ainm air, ’s ionnan sin re ràdh air na eidirtheangachadh, agus Dia maille ruinn. 1 Tim. iii. 16.—Dh’ fhoillsicheadh Dia san fheoil. C. Ciod a rinn Josa Criosd air talamh chum peacaich a shàbhaladh? F. Rinn è tri nithibh; air thùs, Rinn è toil Dè aithnitchte do dhaoine le shearmonachadh. 2. Chuir è saimpleir naomhachd rompa le a’ ghnathacha fein. Agus ann san 3. aite, Fhuair è maitheamhnas peacaidh agus beatha bhioth-bhuan dhoibh, le umhlachd do ’n bhàs. (1.) Is. lxi. 1. Dhorduich an Tighearna mise a’ shearmonachadh deagh nuaidheachdadh. Join xv. 15. Na huile nithe a chuala mi o m’ athair, thug mi fios duibhse orra. (2.) Join xiii. 15. Thug mi eisiomplair dhuibh, chum ’s mar a rinn mise dhuibh, gu ’n deanadh sibhse mar an ceudna. 1 Phead. ii. 21.—Dh’ fhuilling Criosd air air soin-ne, a’ fàg’ail eisempleir again, chum gu ’n leanamaid a cheumanna. [TD 56] [Beurla] [TD 57] (3.) Phil. ii. Bha è umhal gu bàs, eadon bàs na croiche. Romh. v. 19.—Trìd umlacd aon duine nithear mòran ’n am fìreanaibh. Eabh. ix. 12. Tre fhuil fein chuaidh è steach aon uair do ’n ionnad naomha, air dha saorsa shiorruidh fhaghail duinne. 1 Join i. 7. 9.—Tha eisean fìrineach agus ceart chum ar peacaidh a mhaitheamh dhuin’, agus glanaidh fuil Josa Criosd a Mhic sinn on uile pheaca. C. Cionnas a b’urra Criosd Maitheamhnas agus beatha fhaigheil dhuinne le dheanadas no le fhullangas? F. Thoill ar peacaidh bàs, ach b’ è Criosd Mac Dhe, agus gu h iomlan fìrineach, agus dhorduich Dia è gu bàs fhulang chum ar peacaidh a thoirt air falbh, agus ga’ r toirt gu fhàbhar. Romh. vi. 23. ’Sè tuarasdal a’ pheacaidh am bàs. 1 Phead. iii 18. Dh’fhuiling Criosd aon uair air son peacaidh, am fìrean air son nan neo-fhìrean, chum gu ’n d’thugadh è sinne gu Dia. 2 Cor. x. 21. Rinneadh eisean da nach b’ aithne peaca’, na pheaca’ air ar soin-ne, (i. e. ’na iobairt pheacaidh.) 1 Cor. xv. 3. Bhàsaich Criosd air son ar peacaidh a’ reir nan sgriobtuire. 1 Join ii. 2. Josa Criosd am fìrean—’s è eisean an iobairt-rèitich air son ar peacaidh-ne. 1 Join iii. 5.—Dh’ fhoillsicheadh eisean chum ar peacaidh ne thoirt air falbh. Romh. v 10.—Air bhi dhuinn ’n ar naimhde, rinneadh rèidh re Dia sinn tre bhàs a Mhic. C. An bheil Josa Criosd anoise a’ measg na marbh? F. Cha ’n ’eil; dheirich è o na mairbh air an treas là, agus an deidh sin chuaidh è suas air neamh a ghabhail comhnuidh air deas-lamh Dhe. 1 Cor. xv. 4. Dh’ adhlaiceadh è, agus dh’ eirich è a ris air an treas là. Eph. i. 20.—Thog Dia o ’na mairbh è, agus chuir sè ’na shuidhhe air a dheas-laimh fein è ann sna h ionadaibh neamhaidh. C. Ciod ata Criosd a’ deanamh anoise air neamh? F. Tha è tagradh re Dia Athair gu tròcair a bhuilleachadh air daoine, agus tha è riaghalachadh os ceann nan uile nithibh chum maith a shluaigh. [TD 58] [Beurla] [TD 59] Is. liii. 12. Ghiulain è peaca mòran, agus rinn è eidir-ghuidhe ar son na ’n cionntach. 1 Join xi. 1. Ma pheacaicheas neach air bith, ’ta fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Josa Criosd am fìrean. Eph. i. 17. 22.—Dia ar Tighearna Josa Criosd—thug sè è chum bhi ’n a chean os gach uile nithe do ’n eaglais. Gniomh. x. 36.—Is eisean Tighearna na uile. C. Ciod a dh’ fheumas tu dheanamh gu bhi a’ d’ aon do a phobull, agus gu co-pairteachadh do ’n tròcair so? F. Feumaidh mi Aithreachas a dheanamh air son mo pheacaidh, agus an aidmheachadh ann lathair Dhe, agus maitheamhnas iarruidh air an son: feumaidh mi creiddeamh bhi agam ann Criosd mar mo shlanui-fhear, agus umlachd thoirt da mar mo Thighearna agus m’ fhear-riaghluidh. Gniom. viii. 22. Gabh aithreachachas do t olc, agus guidh air Dia ma dh’ fheudar gu maithear dhuit smuaineadh do chroidhe. Sean. xxviii 13. Co air bith a dh’ aidmhaicheas agus a threigeas a pheacaidh gheibh sè tròcair. Luc. xi. 4. Maith dhuinn ar peacaidh. Gniomh. xvi. 31. Creid ann san Tighearna Josa Criosd, agus slanuichear thu fein agus do thigh. Gniomh. v. 31. Eisean dh’ àrdaich Dia le a dheas-laimh ’n a phrionnsadh agus ’n a shlanui’ fhear. Eabh. v. 9.—Rinneadh è ’n a ughdair slàinte shiorruidh dhoibhsin uil’ a bhios umhal dha. C. Ciod é aithreachas a dheanamh air son peacaidh? F. ’Sè aithreachachas a ghabhail o’m pheacaibh, a bhi brònach an mo chroidhe gu ’n d’thug mi oilbheim do Dhia, fuath thoirt do gach nì is mio-thaitneach leis, agus a’ nairr’ a thoirt nach d’ toir mi oilbheim dha ni ’s mò. Sal. xxxviii. 18. Bithidh mi doillich air son mo pheaca. 2 Cor. vii. 10. Oibrichidh am bròn diadhaidh aithreachas. Sal. cxix 104. Is fuathach liom [TD 60] [Beurla] [TD 61] gach slighe eà-corach. Job xxxiv. 32. Ma rinn mi aingidheachd, cha dean mi ì ni ’s mò. C. Ciod è creiddeamh bhi agad ann an Criosd mar do shlanui’-fhear? F. Creiddeamh bhi agam ann an Criosd mar mo shlanui-fhear, ’se sin a chreidsin gur è Criosd slanui-fhear na ’m peacach’, agus mi fein a thoirt suas da, agus earbsa ann, chum ’s gu ’n sàbhail è mi air a sheol fein. Gniomh. viii. 37, Tha mi creidsin gur è Jòsa Criosda Mac Dhe. 1 Tim i. 15. maille re 2 Tim. i. 12. Is fior an ràdh so, agus is fiu è air gach aon chor gabhail ris, gu ’n d’ thainig Josa Criosd do ’n t saoghal a thearnadh pheacach. Ata fhios agam co ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil eisean comasach air an nì sin a dh’ earb mi ris a choimhid. 2 Cor. viii. 5. Thug iad air tùs iad fein do’n Tighearna. C. Ciod an reusan dòchais ata agad ma seadh, gu ’m bi thu air a shaoradh o fheirg Dhe? F. Ma ghabhas sinn aithreachas do ’n pheacadh, agus earbsa ann an Criosd, dh’ innis Dia dhuinn ’n a fhocal, gu ’m maith è ar peacaidh agus gu ’n sàbhail è ar n’ anama. Gniomh. iii. 19. Gabhaibhse aithreachas agus bithibh air bhur n iompachadh, chum ’s gu ’m bi bhur peacaidh air an glanadh as. Gniomh. x. 43.—Gu ’m fuigh gach uile neach a chreideas ann, maitheanas ’n am peacadh trìd ainm-sin. Gniomh. xv. 31. Creid ann san Tighearn Josa Criosd, agus bithidh. tu ar do shàbhaladh. C. Ach nach bheil do chroidhe è fein peacach, agus an bheil cumhachd agad uait fein aithreachas a dheanamh do pheaca, agus earbsa ann Criosd agus umhlachd thoirt da? F. Tha croidheachan peacach againn, agus cha ’n urra sin na dleasdanais sin a dheanamh dhinn fein, ach gheall Dia a Spiorad naomha fein mu ni sin ùrnuigh air a shon, a dh’ ath-nuathacha’, ar [TD 62] [Beurla] [TD 63] croidheachan gu naomhthachd, agus d’ ar cuiddeacha’ gu thoill a dheanamh. 2 Cor. iii. 5. Ni h è gu bheil sinn foghainteach uainn fein chum ni sam bith a smuainteachadh mar uainn fein: ach is ann o Dhia ata ar foghainteachd. Eph. ii. 8. Is ann a thaobh gràis ata sibh air bhur sàbhaladh tre chreiddimh; agus ni h ann uaibh fein: is è tiodhlac Dhe è. Luc. xi 13.—Nach mòr is mò na sin a bheir bhur n Athair neamhaidh ’n Spiorad naomh do’n dream a dh’ iarras air è? Essec. xxxvi. 26. Croidhe nuadh bheir mi dhuibh. Rann 27. Agus cuirridh mi mo Spiorad ann taobh a stigh dhibh. Rann 37. Bithidh mi air m’iarruidh gidheadh airson an nì so le tigh Israel ga dheanamh air ann son. Rom xii. 2.—Bithibh air bhur cruth-atharachadh tre ath-nuathachadh bhur n inntin. Tit. iii. 5.—Shàbhalaich è sinn tre ionnlad na h ath-ghineamhuin, agus ath-nuadhachdh an Spioraid naoimh. Romh. viii. 26. ’Ta an Spiorad mar an ceudna a’ deanamh congnamh le ’r n anmhuineachd. C. Cionnas a dh’ fheumas tu d’ urnuighean a chuir suas, chum ’s gu ’n gabh Dia riu, agus gu ’m fuigh thu a Spiorad naomha, no beannachaidh ar bith uaithe? F. Ann ar n’ uil’ urnuighean, agus ar n’ uile sheirbheise, feumaidh sinn iarruidh airson taitneacd o thròcair Dhe amhain, agus air sgà Chriosd; oir pheacaich sinn agus cha do thoil sinn nì maith ar bith. Dan. ix. 15. 17. 18. Pheacaich sinn, rinn sinn gu h aingidh—O ar Dia, eisd re ùrnuigh do sheirbheisich—air sgà an Tighearna—Cha n’ eil sinn a’ taisbeanadh ar n athchuingibh a’ d’ lathair airson ar fireantachda, ach airson do mhòr thròcairibh. Eph. i. 6.—Rinn è sinne taitneach ann a Mhac gràdhach. Join. xvi. 23.—Ge b’ è nithe dh’ iarras sibh air an Athair ann m’ ainm-se, bheir sè dhuibh iad. Rann. 24—Jarraibh agus gheibh sibh. C. An d’ ullaich Dia meadhonadh air bith eile mar chongnamh dhuinn ann san t slighe gu neamh? [TD 64] [Beurla] [TD 65] F. Thug Dia fhocal naomh araon do Dh’ iudhachaibh agus do Chriosdaibh; chuir è mhinisteiribh d’ ar congnamh chum a bhriathar a thuigsin, agus dh’ orduich è cuid do chomharr’an àraid air a thròcair chum ar feum ne. Salm. cxlvii. 19. Taisbeanaidh è bhriathar do Jacob, a statuin agus a bhreitheamhnais do Israeil. Join. xvii. 14. Thug mi t fhocal dhoibh. Mal. ii. 7. Bu chòir do bhillibh an t sagairt eolas a choimhid, agus bu chòir dhoibhse an lagh iarruidh o bheul, oir is eisean teachdaire Tighearna nan sluagh. Neh. viii. 7. Thug na Lebhitich air an bhobull an lagh a’ thuigsin. Eph. iv. 11. 12.—Thug è (i. e. Chriosd) aodhairibh agus luchd teagaisg—chum obair na ministreileachd, &c. Gen. xvii. 11.—Bithidh sè na chomhthar ar a chumhnant eidir mise agus sibhse. Romh. iv. 11. Fhuair è comhar an timchoillghearraidh. Matth. xxviii. 20. A’ teagasg dhoibh gach uile nithe dh’ àithn mise dhuibh a choimhead. C. Creud iad na comhara sonnraicht a dh’ orduich Dia a thaisbeanadh a thròcair a’ measg Chriosduidhean? F. Tha dà chomhar do an goirrear gu coiteheann Sacramaintaidh an Tiomna Nuadh, agus ’s iad sin, am baisteadh agus suipeir an Tighearna. Matth. xxviii. 19. Imichibhse, agus teagaisgibh gach uile chinneach, ’g am baisteadh. 1 Cor. xi. 20.—Suipeir an Tighearna. Rann. 24.—Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa. C. Creud è am baisteadh? F. Ia è am baisteadh ionnlad le uisge ann ainm an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid naoimh. Matth. xxviii. 19. Gam baisteadh ann ainm an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid naoimh. C. Ciod ata air a chiallacha leis an ionnlad so? F. Tha è ’g ciallachadh sinn a bhi air ar glannadh o n’ pheaca, agus a bhi ’n ar creutairibh nuadh, agus ’n ar deisciopuil do Chriosd. Gniomh. xxii. 16—Eirich, agus bi air do [TD 66] [Beurla] [TD 67] bhaisteadh, agus ionnluid uait do pheacaidh. Tit. iii. 5.—Ionnlad na h ath ghineamhuin, agus ath-nuadhacha an Spioraid naoimh. Gal. iii. 27. Oir mhèud agaibh ’s a bhaisteadh do Chriosd, chur sibh, umaibh Criosd, i. e. n’ air deisciopuil dha. C. C’ air son a dh’ fheumas sinn a bhi air air baisteadh ann ainm an Athar? F. Do bhri gu ’m b’ è Dia, Athair air Tighearn Josa Criosd, a dhorduich an t slainte so; agus ’s è ar n Athair-ne mar an ceudna, ma ’s fior Chriosduidhean sinn. Eph. i. 3. Beannuichte gu raibh Dia agus Athair ar Tighearn Josa Criosd, a bheannuich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann ionadaibh neamhaidh ann Criosd. Join xx. 17.—Ata mise dol suas chum m’ Athar fein agus bhur n Athar-sa, agus chum mo Dhe fein agus bhur De-se. 2 Join 9. An ti dh’ fhanas ann teagasg Chriosd, ata araon an t Athair agus a’ Mac aige. C. C’ air son a dh’ fheumas sinn bhi air air baisteadh ann ainm Mhic Dhe? F. Do bhri gu raibh ’n t slainte so air a searmonachadh le Mac Dhe mar ar fàidh mòr; choisin è dhùinn ì mar ar n àrd shagart, agus tha è ga builleachadh oirn mar ar Tighearna agus ar Riogh. Gniomh. iii. 22.—Togaidh an Tighearna bhur Dia suas faidh dhuibh,—mar mise. Luc. iv. 18.—Dh’ ung an Tighearna mi a shearmonachadh an t soisgeil do na bochdaibh. Eabh. ii. 17.—Chum gu ’m biodh é ’na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas,—chum rèite dheanamh airson peacaidh a phobuill. Gniomh. v. 31. Dh’ árdaich Dia eisean ’n a Phrionnsadh agus ’na shlanui-fhear, a thoirt aithreachais agus maitheanais peacaidh do Israel. C. C’ air son adh’ fheumas è bhi air a dheanamh ann ainm an Spioraid naoimh mar an ceudna? F. Do bhri gu ’n d’ rinn oibre iongantach an an Spioraid naoimh fia’nais do ’n t slainte so ann san àm a chaidh seachad; agus ’s è an Spiorad [TD 68] [Beurla] [TD 69] naomh so ni sinne comasach air umlachd thoirt do ’n t soisgeil ann san àm tha làthair, agus dòchas a bhi againn airson na slainte so agus feitheamh urre. Eabh ii 4. Air bhi do Dhia a deanamh coi-fhia’nais leo, araon le comhtharaibh agus le h iongantasaibh—agus le tiodhlacaibh an Spioraid naoimh. 1 Phead. i. 22. Ghlan sibh bhur n anama le umlachd a thoirt do ’n fhìrinn tre ’n Spiorad. Gal. v. 5. Ata sinne tre ’n Spiorad a’ feitheamh re dòchas fìreantachd o chreidimh. Creud ata am baisteadh so ann ainm an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid naoimh, a’ cuir a dh’ fhiachaibh ort a dheanamh? F. Ma tha mi air mo bhaisteadh, tha mi air mo thoirt suas do ’n Athair, do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad naomh, chum ’s gu ’m bithinn bèo mar chreutair nuadh, agus mar Chriostaidh; agus air bhi dhamh aon uair air m’ionnlad, cha ’n fheud mi mi-fein a shalachadh a ris le peaca. Romh. vi. 2. 3.—Cionnas a dh’ fheudas sinne ata marbh do ’n pheacadh, ar beatha a chaitheamh ni ’s faide ann?—Bhaisteadh sinn ann Josa Criosd. Rann 4.—Gu ’n gluaiseamaid ann nuadhachd beatha. 2 Cor. v. 17. Ma ’ta neach sam bith ann Criosd, is creatuir nuadh è. 2 Phead. ii. 22. An dream tha ’g aiddeachadh Criosdachd agus a phillaas a ris gu peaca, tha iad air an samlachadh ris a’ mhuic a chuaidh nigheadh, agus a philleas chum a h eabradh san làthaich. C. Creud ì suipeir an Tighearna? F. ’S ì suipeir an Tighearna, aran ithe agus fion òl, mar chuimhneachan air bàs ar Tighearna Josa Criosd. 1 Cor. xi. 24. 25. 26.—Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa.—Cia minic a dh’ itheas sibhh an t aran so, agus a dh’ òlas sibh an cupan so, ’ta sibh a’ foillseachadh bàis an Tighearn agus an d’ thig è. C. Ciod ata ’n t aran a’ ciallachadh? F. Ata an t aran air a bhriseadh, a’ ciallachadh [TD 70] [Beurla] [TD 71] orp Chriosd chuaidh lotadh agus a bhriseadh air air soin-ne air a chrois. 1 Cor. xi. 24.—Ghlac è aran, agus air breith buidheachais, bhris sè è, agus a dubhairt è gabhaibh, ithibh; is è so mo chorp-sa, a’ ta air a bhriseadh air bhur son sa. C. Ciod’ ata ’m fiòn a’ ciallachadh? F. Tha ’m fiòn air a dhòrtadh a’ ciallachadh fuil Chriosd, chuaidh dhòrtadh a mach ’n a bhàs thoirt air falbh ar peacaidh-ne. Matth xxvi. 27. 28. Ghlac è ’n cupan (i. e. an cupan fiòna, no toradh an fhiònna, mar an Rann 29.) agus air tabhairt buidheachais, thug è dhoibsin è, ag radh, Oluibh uile dheth’; oir is ì so ’m fhuil-se na Tiomnaidh Nuaidh, a dhòirtear air son mhòrain chum maitheamhnais peacaidh. C. C’air son a dh’ fheumas an t aran a bhi air ithe, agus am fiòn air òl? F. A Chiallachadh sinn a bhi co-pairteach do na beannachaibh a choisin Criosd dhuinn le bhàs. 1 Cor x. 16. 17. Cupan a’ bheannachaidh, a ’ta sinne a’ beanachaddh, nach è comun fola Chriosd è? An t aran a’ ta sinn ag briseadh, nach è comun cuirp Chriosd è?—Oir a’ ta againn uile co-pairt do ’n aon aran. Agus a reir coslais is an leis an t sacramaint so a bha rùin air Criosd orduchadh ann na eaglais, ata è taisbeanadh ar Creidimh ann air an doigh so, ann Join vi. 54. 55. Ge b’ è itheas m’ fheoilse, agus a dh’ òlas m’ fhuilse, ata a bheatha shiorruidh aige.—Oir is biadh gu firinneach m’ fheoil, agus is deoch gu firrineach m’ fhuil. C. Ciod ata suipeir an Tighearna a’ cuir a dh’ fhiachaibh oirn-ne? F. An dream ata gabhail suipeir an Tighearna, bu choir dhoibh cuimhneachadh gu taingeil air gràdh Chriosd a bhàsaich air an son, agus gu ’n d’ tugadh iad gràdh agus seirbhis da gu crìch am beatha. Luc. xxii. 19. Deanaibh so mar chuimhneachan [TD 72] [Beurla] [TD 73] ormsa. Gal ii. 20.—Ata mi beo tre chreidimh Mhic Dhe, a ghràdhaich mi, agus a thug è fein air mo shon. Join xxi. 15. A Thighearna; ata fios agad gur toigh leam thu. Join xiv. 15. Ma ’s toigh libh mise, coimheadaibh m’ àitheanta. Salm lvi. 12. Tha do mhoidean orm, O Dhe, bheir mi moladh dhuit. C. Nuair a rinn thu toil De, agus seirbhis do Chriosd gu crìch do bheatha, creud iad do dhòchais ann deidh bàis? F. An nuair a bhàsaicheas mo chorp, agus a theid m’anam gu saoghal na ’n spiorad, ’s è mo dhòchas gu ’n gabh è comhnuidh maille re Dia agus re Criosd, agus gu ’m bi è sonn. Lucas xx. 37. 38.—Dia Abraham, agus Dia Isaac, agus Dia Jacob: oir cha ’nè Dia nam marbh è, ach nam beo: oir ata gach uile beo dha-san. Lucas xvi. 20. 22.—Bhàsaich Lazarus, agus ghiulaineadh è gu uchd Abraham. Lucas xxiii. 46.—Air bhi do dh Josa a’ bàsuchadh, a dubhairt se, Athair, ata mi tiomnadh mo spioraid a’ d’ làmhaibh. Gniomh. vii. 55.—Dh’ amhairc Stephen gu geur suas gu neamh, agus chunnairc è gloir Dhe, agus Josa ’n a sheasamh air deas-làimh Dhe. Rann 59. Agus chloch iad Stephen, agus è a’ gairm air Dia, agus ag radh, a Thighearna Josa glac mo Spiorad. 2 Cor. v. 8.—Coigreach as a’ choluinn, agus a bhi lathair maille ris an Tighearna. Philip. i. 23. C. Agus nach bheil dùil agad re sonnas is mo an deidh sin? F. Tha dòchas agam re sonnas ni ’s h iomlainne ’nuair a dh’ éirigheas mo chorp a rìs, agus a bhitheas è air a cheangal re m’ spiorad ann là a bhreitheamnais. 1 Cor. xv. 42. 43. Is ann mar sin fòs a bhios aiseirigh nam marbh: cuir’ear è ann eas-onair. tog’ar ann glòir è. Rom. viii. 23.—Ata sinn ’g osnaich annain fein, a’ feitheamh ris an uchdmhachdachd, eadhon faorsa ar cuirp. [TD 74] [Beurla] [TD 75] O na tha ’n sgriobtuir a deanamah iomradh co minic air ainglibh agus air deamhanaibh mar innealan an fhreasdail dhiaghaidh; agus o na ’se comhnuchadh maille re ainglibh no re deamhanaibh an cunntas cumanta ’ta again air neamh agus air ifrinn, cha raibh è iomchuidh an leabhar cheistin so a chriochnacha’ gun phairt chunntais mu na spioradan maith agus olc sin; ach ata è air a chur sios aig an fhior dheirreadh, chum ’s nach feum clann mòr-chomhradh dheanamh mu ’n tiomchioll gus am bi iad ochd no naoi bliadhna dh’ aois: agus ann sin ata è feumail gn ’m biodh iad air a nochladh gu h iomlan fuidh ordugh agus riaghladh Chriosd, chum ’s nach biodh clann fuidh eagal. C. Ach cluinneamaid air thùs creud è saoghal na ’n spiorad mu ’n bheil thu labhairt, ann sann d’ teid an t anam aig a’ bhàs? F. Is saoghal ro-fharsaing è, ge do tha è as an t shealladh, ann san bheil iommad àite comhnuidh airson ainglibh agus dheamhnaibh, agus airson anamaibh dhaoine, araon maith agus olc. Matth. xxii. 30.—Aingil De air neamh. 2 Phead. 11. 4. Tha è air a’ radh gu bheil na deamhain air an tilgeadh sios do ifrionn. Eabh. xii. 23.—Spioraid nam fìrean air an deanamh foirse. 1 Phead. iii. 19. 28.—Na spioraid ann am prìosun.—A bha o shean eas-umhal. C. Co, no creud iad na h Aingil? F. Is spioraid mhaith iad, ata feitheamh air Dia, agus a’ deanamh adhradh dha air neamh, ach tha iad air an cuir gu minic a dheanamh seirbhis ann so air talamh. Matth. xxii. 30.—Aingil De air neamh. Foills. vii. ii. Sheas na h aingil uile timchioll na righ-chaithreach—agus rinn iad adhradh do Dhia. Salm ciii. 20. Beannuichibh an Tighearna sibhse aingilibh—tha deanamh iartais. Dan. vi. 22. Chuir mo Dhia aingeal, agus dhùin è beoil na ’n leoghan air achd ’s nach do chiùr iad mi. C. Co, no creud iad na diabhoil? F. Is droch spioraid iad, a bha air thùs na ’n aingil De, ach air peacachadh ’na aghaidh, bha iad air an tilgeadh amach a’ neamh, agus tha iad anois do ghna a’ buai’readh dhaoine gu peacachadh. [TD 76] [Beurla] [TD 77] Foills. xii. 9.—An dragon mòr, an t sean naithir, d’ an goir’ear an diabhol agus Satan, a’ta mealladh an t saoghail uile: thilgeadh amach è chum na talmhain, agus thilgeadh amach aingil maille ris. Tha ’n ceann teagaisg so a’ giulan cosmhalachd re ’n ceud pheaca agus tuitm. 2 Phead. ii. 4. Cha do chaomhain Dia na h aingil a pheacaich, ach thilg è sios do ifrionn iad. 1 Thess. iii. 5—D’ eagal air chor sam bith gu’n do bhuair am buaireadoir sibh. Bha eadhon Criosd fein air a bhuaireadh leis an diabhol, Matth. iv. 1. Faic 1 Phead. v. 8. C. Ach nach bheil na spioraid-se uile, araon maith agus olc, air an cur fuidh uachdaranachd Chriosd? F. Tha, oir ata Criosd na Thighearna os an ceann uile: tha è gnathacha’ na ’n aingil chum maith a phobuill; agus cha ’n urra na diabhoil cron a dheanamh, ach ’n uair a bheir Criosd commas doibh. 1 Phead. iii. 22. Josa Chriosd, neach a chuaidh suas air neamh, air do ainglibh, agus do uachdranachduibh, agus do chumhachdaibh bhi air an cur fuidh cheannsal-san. Gniomh. xii. 11.—Chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus shaor è mi. Eabh. i. 14. Nach spiorada frithealaidh iad uile, air an cur amach chum frithealaidh dhoibhsin a bhios ’n an oighreachaibh air slainte. Luc. viii. 32.—Ghuidh na deamhain air cead thoirt doibh dol a steach ann ’sna mucaibh. Agus thug è cead doibh. C. Ciod a thig air na deamhanaibh fa dheirreadh? F. Tha iad san àm so air an gleidheadh mar phriosanaich chum peannas is mò an deidh la a bhreitheàmhnais. Eph. iv. 3.—Thug è brùid am braighdeanas. Jude 6. Na h aingil nach do ghleidh an ceud inbhe,—a’ta iad air an coimhid ann geimhlibh siorruidh fuidh dhorchadas, fa chomhair breitheanais an là mhòir. Faic Foils xx. 10. C. Cuin a thig là so a bhreitheanais, ann san dubhairt thu gu ’n èirich do chorp o na mairbh? F. Aig deireadh an t saoghail, thig Josa Criosd [TD 78] [Beurla] [TD 79] a nuas o neamh thoirt breith air a chinne-daoin’ uile; agus a chum na crìche sin, togaidh è iad-san uil’ ata marbh gu beatha arìs. 1 Phead. iv. 7. Ata crioch nan uile nithe am fogus. 1 Thess. iv. 16. Thig an Tighearna fein a nuas o neamh. 2 Tim. iv. 1.—An Tighearna Josa Criosd, a bheir breith air bheothaibh agus air marbhaibh aig a theachd. Join v. 28. 29.—Oir ata ’n uair a’ teachd, ann san cluinn iad-san uile a’ta sna h uaigibh a ghuth-san, agus theid said amach. 1 Cor. xv. 52.—Goiridh an trompaid agus eir’idh na mairbh. C. Ciod a theid a dheanamh ris a’ chinne-daoine ’n uair a dhuisgear na mairbh gu beatha? F. Gairmidh Criosd iad uile gu teachd an lathair cathair a bhreitheanais, far an feum araon na fireanaich agus na h aingidh cunntas thoirt dà air son an giulain ann san t shaoghal so. Matth. xxv. 31. 32. An uair a thig Mac an duine ann a ghlòir fein,—cruinnichear ’n a lathair-sin na h uile chinnich. Rom. xiv. 10. 12.—Seasmhaidh sinne gu leir am fia’nais cathair breitheanais Chriosd—bheir gach aon againn cunntas uime fein do Dhia. C. Cionnas a thig na fireanaich a lathair ann san là sin? F. Thig na fireanaich a lathair le misnich agus gairdeachas, mar chloinn De a rinn toil an Athar neamhaidh, agus ata air an deanamh cosmhail ris ann naomhachd. 1 Join iii. 10. Ann so ata clann De agus clann an diabhoil follasach; ge b’ è neach nach dean fìreantachd, ni hann o Dhia ata è. 1 Join ii. 59.—Tha gach neach a ni fireantachd air am breith uaithe-sin. Eph. iv. 24.—An nuadh dhuine, a ’ta air a chruthachadh a reir Dhe am fìreantachd agus am fior naomhachd. 1 Join iv. 17.—Chum ’s gu ’m bi againn dànachd ann là a’ bhreitheanais, do bhri’ mar a tha eisean, gur amhuil sin tha sinne san t saoghal so. [TD 80] [Beurla] [TD 81] C. Agus cionnas thig na h aingidh a lathair an sin? F. Seasmhaidh na h aingidh ann lathair a bhreithe le nàir agus eagal, mar chlann an diabhoil; oir rinn iad a thoil, agus tha iad cosmhuil ris ann oibre peacach. Dan. xii. 2 Mosglaidh cuid gu náire bhioth-bhuan, &c. Join viii. 44. Ata sibhse o bhur n athair an diabhol, agus ’s iad an-mhianna bhur n athar is toil libh a dheanamh. Gniomh xiii. 10.—Thusa mhic an diabhoil, a namhaid na h uile fhìreantachd. C. Agus cionnas a ni Criosd am breitheamh re daoine, agus a bhuineas è riù ann am breitheanas? F. Cuiridh è na fìreanaich air a laimh dheis, agus na h aingidh air a laimh chli, agus bheir è binn orr’ araon, a reir ’s mar bha ’n oibre. Matth. xxv. 32. 33.—Sgarraidh se iad o cheile, cuiridh è na caoirich air a dheis, ach na gabhair air a làimh chli. 2 Cor v. 10. Is eigin duinn uille seasamh an lathair cathair-breitheanais Chriosd, chum gu fuigh gach neach—a reir an nì do rinn è, ma’s maith no olc è. C. Ciod a thig air na h aingidh an deidh a bhreitheanais? F. Bithidh na h aingidh air an iommain gu tèin-ifrionn eidir anam agus chorp, gu bhi air an cràdh maille ris an diabhol agus re spioradaibh aingidh gu siorruidhe. Matth. xxv. 41. An sin a deir sè riùsan air an làimh chli, Jm’ichibh uam, a shluagh malluichte, dh’ionsuidh an teine shiorruidh, a dh’ull’uicheadh, do’n diabhol agus d’a ainglibh. Matth. xiii. 42. An sin bithidh gul agus gìosgan fhiacall. Foills. xx. 10. Agus bithidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal. C. Agus ciod a bhios air a dheanamh ris na fireanaich? F. Giulainidh an Tighearn’ Josa Criosd na fìreanaich maille’ ris fein suas gu neamh, eidir [TD 82] [Beurla] [TD 83] anam agus chorp, gu bhi beo ann sin maille re Dia an Athair, agus maille re ainglibh naomh ann gairdeachas bioth-bhuan. Amen. Matth. xxv. 34. Ann sin a deir an Righ riu-san air a dheis, Thigibh, a shluagh ata beannuichte le m’ Athair-se, sealbhuichibh mar oighreachd an Rioghachd ata air a deasachadh dhuibh. 1 Thess. iv. 17. Agus mar sinn bithidh sinn gu siorruidh maille ris an Tighearna. Eabh. xii. 22. Ata sibh air teachd gu ’s an Jerusalem neamhaidh, agus cuideachd gu’n aireamh do ainglibh. An deidh a bhreitheanais ann Foils. xx. 11—15. ata è air a’radh ann Foils. xxi. 3. 4. Bithidh Dia fein maille riu, agus ’n a Dhia dhoibh; agus tiormaichidh Dia gach uile dheur o’n suilibh; agus cha bhi bàs ann ni ’s mò, no bròn, no glaodhaich, no pian, &c. AN LEABHAR CEASNUICH EACHDAIREACHD. AIR SON Cloinne agus Oìgridh. C. CO è cruith-fhear an t saoghail? F. Rinn an Dia uille-chumhachdach neamh agus talamh, agus na h uile nithe ’ta ionnta, Gein. i. 1. agus ii. 1. C. Cia fad ’s a bha Dia a’ deanamh an t shaoghail? F. Rinn sè è le fhocal ann uine se lá, agus ghabh é fois air an t seachda, agus ghairm è ’n là naomha, Gein. i. 31. Eabh xi. 3. Gein. ii. 2. 3. Exod. xxxi. 15. 17. C. Co an ceùd fhear, agus a’ cheùd bhean a rinn Dia? [TD 84] [Beurla] [TD 85] F. Adhamh agus Eabha, Gein. i. 27. agus iii. 20. C. Ciod an staid san d’ rinn Dia iad? F. Rinn Dia iad ’n a chosmhalachd fein, ann staid naomha agus shonna, Gein. i. 26. agus v. 1. C. Cionnas a ghiùlain iad iad-fein? ’n do bhuannaich iad ann san staid so? F. Cha do bhuannaich: pheacaich iad an aghaidh Dhe, le ithe do mheass craoibh àraid a thoirmisg Dia dhoibh fuidh bhèinne báis, Gein. ii. 17. agus iii. 6. C. Cionnas a dh’ ith iad do n’ mheass so? F. Chomhairlich an droch-spiorad a bha folluicht’ ann san nathair Eubha gu ithe dheth, agus cho-eignich ise Adhamh. Gein. iii. 1. 2. 12. 2 Cor. xi. 3. C. Ciod an truaigh † a lean o so? F. Le eas-umhlachd Adamh bha peac’ agus bàs air an tabhairt do ’n tsaoghal so, agus air an sgaoileadh a’ measg a chloinn’ uille. Rhom. v xii. 19. C. An raibh sliochd Adhamh uile ’n am peacairean? F. Rugadh iad uill’ ann ampeaca, ach bha dream ann sna ceud ammanà sin a dh’ fhoghlam eòlas agus adhradh an Tighearna, agus do ’n gairte mic Dhe, Sal. li. 5. Rhom. iii. 12. Gein. iv. 26. and v. 2. C. An do bhuanaich eòlas agus adhradh Dhe ’n an teaghlaichibh? F. Ann sna lìnibh an deidh sin dh’ fhàs an cinne-daoin’ uile co olc, as gu ’n do bhàth Dia an saoghal le tuil uisge, Gein. vi. 5. 17. C. Co bha air an sàbhaladh an uair a’ bha ’n saoghal air a bhàtha? F. Bha Noa an duine fìrineach air a Shàbhaladh maille re theaghlach uile, agus beagan do chreutoiribh beo do gach fèord, Gein. vi. 9. 18. 19. agus vii. 1. C. Cionnas a bha Noa air a shàbhaladh. F. Ann an arc no saothach mòr fiodh, a thea- † tubaisd [TD 86] [Beurla] [TD 87] gaisg Dia dha thogail, Gein. vi. 14. agus vii. 7. C. Co iad mic Noa? F. Shem, Ham, agus Japheth, agus leò san bha ’n saoghal air a chomhachadh an deidh na tuil, Gein. x. 1. 31. C. Ciod a choirre d’ an raibh Ham cionntach? F. Rinn è fochaid air athair, agus bha è malluichte, Gein. ix. 21. 24. 25. C. Ciod a rinn Shem agus Japheth? F. Cheill iad nàir’ an athar, agus bha iad beannuichte, Gein. ix. 23. 26. 27. C. Co an neach bu taitnicheadh le Dia ann teaghlach Sheum? F. Bha Abraham, d’ an goireadh athair n’ an creidmheach, agus caraid Dhe, Rhom. iv. 11. 2 Chron. xx. 7. C. C’ air son a ghoirteadh athair, ’s e sin re a radh, easamplair n’ an creidmheach dheth? F. Do bhri gu ’n do chreid é cuid do gheallaidh iongantach Dhe, an aghaidh taisbeanadh nithe ata lathair, Rhom. iv. 11. 18. C. Creud iad na geallaidh sin? F. 1. Gu ’m biodh mac aig, ’n uair a bha è cèud bliadhna a dh’àois. 2. gu ’n sealbhaicheadh a chlann tìr Chànan, ionn ’s nach raibh leud traighe thalamh aige. Agus 3. Gu ’m biodh na huile chinnich air am beannachadh ’n ’a shliochd, ’s è sin, Criosd, Gein. xvii. 8. 16. 17. & xii. 3 agus xxii. 18. Gniomh. vii. 5. C. C’ air son a ghairteadh caraid Dhe do dh Abram? F. Do bhri gu ’n d’ fhiosraich Dia è gu minic, agus bha è ro umhla do Dhia, Gein. xii. 7. & xv. 1. & xvii. 1. agus xviii. 1. Sheum ii. 21.—23. Join xv. 14. C. Ciod a cheud chomhartha mòr a bh’ air umhlachd Abrahàm? F. Dh’ fhàg è dhùthaich fein air iartas De, gu [TD 88] [Beurla] [TD 89] ’n fhios aige c’ àite bha è a’ dol, Gein. xii. 1.—4. Eabh. xi. 8. C. Ciod an comhartha mòr eile bha air umhlachd Abraham? F. Bha è ullamh air a mhac gràdhach Isaac, thoirt suas mar iabairt air iartas De, Gein xxxii. 12. C. An raibh Isaac na dhuine maith? F. Bha, oir bha eagal Dia Abrahàm athar air, agus chuaidh è ’mach a dh’ urnuigh, no a smuainteachadh ann sna † raontibh, Gein. xxiv. 63. agus xxvi. 2, 24, 25. C. Co iad dias mhac Isaac? F. Esau am fear bu Shinne, agus Jacob an mac a b’ òige. Gein. xxv. 25, 26. C. Ciod ata re thoirt fainear a thaobh Esau? F. Rinn è di-mheas air sochair na ceud-ghinn agus chreic sè re Jacob è air son greim bidh, Gein. xxv. 31. 33. 54. C. Ciod ata sgrìbhte timchiol Jacob? F. Fhuair è beannachadh athar le ceilg, agus còir bhreith a bhrathar le foill, Gein. xxvii. 36. C. C’ air son a ghairmeadh Israeil a dh’ ainm air? F. Do bhri gu ’n d’ fhàs è an deidh sin na dhuine ro mhaith, agus ghuidh agus bhuadhaich è air son beannachadh o Dhia, Gein. xxxii. 26. 28. C. Cia lion mac a bh’ aig Jacob, no Israeil? F. Bha dà mhac dheug, ris an abairteadh an dá phriomh-athair dheùg, no athairichin dà threubh dheug Israeil, Gein. xxxv. 22. Gniomh. vii. 8. C. Co bu chliutaicheadh do mhic Israel? F. Bha Joseph, neach a reiceadh le bhraithribh do ’n Eipte, agus bha è an deidh sin na uachdaran air an tìr fuidh ’n riogh Pharao, Gein. xxxviii. 27. agus xli. 40. Gniomh. vii 9. 10. C. Nach do dhiol è, è fein air a bhraithrean? F. Cha do dhioll, ach chuir è fios orra fein agus air an teaghlaichin maille re athair ann ám gòrta, † hachaibh. [TD 90] [Beurla] [TD 91] agus bheathaich se iad uile an tìr na h Eiphte, Gein. xlv. 4—7. C.’N do ghabh clann Israeil comhnuidh ann san Eiphte? F. Ghabh, gu ’s an d’ rinn Pharao eile bha na riogh air an Eiphte tràilean dhiu, agus bhàth è ’n clann, agus an sin shaor Dia iad le laimh Mhaois, Exod. i 11. 22. agus iii. 7. agus v. 1. C. Co è Maois so? F. Aon do chloinn Israel, a bha air shàbhaladh gu h iongantach o ’n bhátha, le ’n inghin riogh Pharaoh, ’n uair a bha è na leanabh, Exod. ii. 10. C. Cionnas a dh’ orduich Dia è gu Israel a shaoradh? F. Dh fhoilsich Dia dha ann am preas a losgadh, an uair a bha è gleidheadh chaorach, agus chuir se è a dh’ionsuidh Pharao, a dh’ iaruidh air leigeadh le Israel siubhal, Exod. iii. 1.—18. C. Ciod a rinn Maois a dhearbhadh gu ’n do chuir Dia uaith’ è? F. Dh’ oibrich è iommad miorbhuillean, comharthan agus iogantais ann sealla Pharao, Exod. iv. 1.—10. C. Cionnas a shaor Maois an pobull o ’n tràilealachd? F. An nuair a dhiult Pharao leigeadh leis an t shluagh siubhal, thug Dia cumhachd dha ’n Eiphte bhualadh le iommad plaigh. Faic an viiamh, viiiamh, ixamh, xamh, agus an t aon caibdeil deug do Exodus. C. Ciod a phlaigh fa dheireadh dhiubh sin a choisin fuasgladh do Israel? F. Sgrios aingeal cèud-ghinn n’ an Eiphteach uile ann aon oidche, ach chuaidh è seachad, agus cha d’ rinn è cronn aon neach do theaghlaichin Israel, Exod. xii. 27. 29. C. Cionnas a bha an t shaorsa so air a cummail air chuimhn’ ann Israel ann sna lìnibh an deidh sin? F. Dhorduich Dia uan mar iobairt gach bliadhna [TD 92] [Beurla] [TD 93] airson gach teaghlaich, ris an gairteadh, fèist na càisg, Exod. xii. 3. &c. C. ’N uair a leig Pharao Israel amach as an Eipht’, cionnas chuaidh iad thar a’ mhuir ruaidh? F. Sgar Maois uisgeacha na fàirge o chèile le shlait, agus chuaidh ’n sluagh trìd air talamh tirim, Exod. xiv. 16. 21. 29. C. Ciod a thainig air na h Eiphitich a lean iad? F. ’N uair shìn Maois a lamh oscionn na fairge, thiondadh na h uisgeacha air ais air na h Eiphitich, agus bha iad uile air am bàtha, Exod. xiv. 28. C. C’ àite a chuaidh clann Israel an sin? F. Chuaidh iad trid an fhàsach c’ àit’ air bith ’n do threoruich Dia iad, le meall ceithich san la, agus le meall teine san oidhche, Exod. xiii. 18. 21. Aireamh. ix. 15. 23. C. Cia fhad ann ùinne mu ’n d’ tainig iad gu tìr chànan a gheall Dia dhoibh? F. Bha iad air seacharan ann san fhàsach da-fhichiod bliadhna air son an peacaidh, Aireamh. xiv. 32. 33. C. Ciod a dhith iad rè na h ùinne sin? F. Bheathaich Dia iad le manna, no le aran a thainig a nuas gach oidche o neamh, Exod. xvi. 4. 15. 35. C. Ciod a dh’ òl iad ann san fhàsach? F. Bhuail Maois a chraig le shlait, agus † spùt na h uisgeacha ’mach an amhainn a lean iad, Exod. xvii. 5. 6. 1 Cor. x. 4. Salm cv. 41. C. Ciod a rinn iad airson èadaich re an da-fhiciod bhliadhna sin? F. Cha d’ fhàs an èadach sean, ni mo chaith an brògan, Deut. xxix. 5. C Creud iad na laghana thug Dia do chlann Israel an nuair a raoghnaich sè iad mar shluagh dha fein? F. Cuid do laghana cumanta a bhuineadh d’ an † shruth. [TD 94] [Beurla] [TD 95] giùlan mar dhaoine, cuid do riaghailteadh sonnraicht’ a thaobh an creidimh mar eaglais, agus cuid eile a thaobh an riaghailt mar chinneach *. C. Creud iad na laghana cumanta a bhuineadh d’ an giulan mar dhaoine? F. Na laghana sin ris an abrar gu cumanta lagh na mòdhana, agus a bhuineas do ’n chinne-dhaoin’ uile: tha iad so air an cur sios gu sonnraicht’ ann sna deich aitheantaidh, Exod. xx. C. Ciod an † modh air an raibh an lagh so na modhana, no na ’n deich atheant, air an tabhairt doibh? F. Labhair Dia riù air thùs le tein-àidheir agus tàirneanach o shliabh Sinai, an sin sgriobh è an lagh dhoibh air dà chlàr clhoiche, Exod. xix. 16. 18. & xx. 1. 18. & xxiv. 12. Deut. 1—5. C. Creud iad na lagha sonnraicht’ a thug Dia dhoibh a thaobh an creideamh mar eaglais? F. Iommad seòlaidh mu thimchiol an adhraidh do Dhia, an sagairt agus an iobairtean ‡, mu thimchiol crathadh folla agus ionnlad le uisge, mu-thimchiol àmanna naomh agus ionnada naomh. C. Ciod bu chrioch àraid do na || searmonais sin? F. Ann am pairt ga ’n cummail o Iodhal-adhraidh agus o dhroch gnàthàichibh chinneach eile, agus am pairt a chiallachadh a mach beannachaidh Chriosd * Ata laghanna na n Judhach a bhuineas da ’n giulan mar dhaoine da ’n cràbhadh mar eaglais, agus da ’n riaghladh mar chinneach, air an coimheasgadh uile air doigh is gu bheil è duilich a radh co an ceann fuidh ’m feumar cuid dhiubh chur sios: Eodhan ann sna deich aitheantan, da ’n goirrear an cumantas lagh na modhana, tha nì eigin ‡‡ gnathaicht’ agus sonnruichte do na h Judhaich: agus gu deimhin, cha n’eil annt’ uile ach aon fhoirm laghanna air an ta bhairt do ’n t sluagh sin a thagh Dia dha fein; gidheadh, air sgà eidirdheallachaidh feadfuidh iad, a bhi air an roinn ann tri seordan, mar ann sann leabhar cheistin so. †† searmonaiseach. † doigh. ‡ Bhiodh àite na b’ arsainne aig teagasg na sagartachd agus na ’n iobartean ann san leabhar cheistin so, ach bha mi air mo choieigneachadh a chùis so, ghearradh goirrid, maille re iommad ni eile, an d’ eagal gu ’m bi è draoghail do chloinn. || gnathaichean. [TD 96] [Beurla] [TD 97] agus an toisgeul. Lev. xviii. 3. 4. 5. Col. ii. 16. 17. Eabh. ix. 1.—14. C. Creud iad an laghana sonnraichte mar chinneach? F. Na laghana sin a bhuineadh d’ an sioth-chaith agus d’ an cogaidh, d’ an tighean agus d’ an fearran, d’ an mnaoibh agus d’ an seirbhisich, d’ am beatha agus d’ am buill. C. C’ air son thug Dia fein dhoibh riaghailteadh co-shonnraichte mu thimchioll na nithe coitchean so? F. D’ an eadar-dheallachadh o gach cinneach eile mar phobull do Dhia fein, agus a thaisbeanadh gu ’m bè an Riogh co-maith ’san Dia, Leb. xx. 22. 26. Lebh. xxiv. 22. 1 Sam. xii. 12. C. An raibh clann Israel umhal do Dhia air an astar trid an fhàsach? F. Cha raibh, oir pheacaich iad gu h u’abhasach ’n a aghaidh, agus bha iad gu tric air am peanasachadh le laimh Dhe, ach cha bail leis an sgriosadh gu tur, Salm cv. 43. 45. C. Co a thug iad gu tìr Chanaan ta rèis doibh bhi da-fhichiod bliadhn’ air seacharan ann san fhàsach? F. Air do Mhaois bhi marbh, thug Joshua (is ionnan sin is Josa) iad gu tìr a gheallaidh, Josh. 1. 5, 6, 11. Gniomh. vii. 45. C. An do ghiulain clann Israel iad fein na b’ fhearr an uair a thainig iad gu tìr Chanaan? F. Cha do ghiulain, oir thuit iad gu minic ann iodhal adhraidh, agus thug iad adhradh do dheeibh breugach na cinneach mu ’n cuairt doibh, Breith. ii. 11, 12. C. Ciod an modh air ’n do thaishean Dia a chorruich air son a pheacaidh so? F. Thug è iad suas cuid do dh’ uairibh ann lamhan an naimhdean, a spùil iad, agus a rinn tràilean diubh, Breith. ii. 14. C. Cionnas a shaor Dia iad o lamhan an naimhdean? F. Ann uair a ghlaodh iad ris an Tighearna thog [TD 98] [Beurla] [TD 99] è suas breitheann a cheannsaich an naimhdean, agus a shaor an pobull, Breith. ii. 18. & iii. 9. 15. C. C’ ainm a bh’ ar cuid do ’n dream a b’airde do na breitheamh sin? F. Gideon agus Jephtha, Samson, Eli, agus Samuel. C. Co a riaghlaich sluagh Isreal an deidh na ’m breitheann? F. Mhiannaich iad righ mar chinnich eile, agus dh’ iarr Dia air Samuel Saul ungadh gu bhi ’n a cheud riogh aca, 1 Sam. ix. agus x. C. Cionnas a ghiulain Saul è fein? F. Riaighlaich è gu maith re ùine bheag, ach an deigh sin rinn è ceannairc ann aghaidh Dhe, agus dh’ atharaich Dia è, Gniomh. xiii. 20. 21. C. Ciod a thainig air Saul fa dheoidh? F. Air bhith dha air a threigeadh le Dia, agus air a lotadh ann cath leis na Philistineich, thuit è air a chloidhe fein, agus bhàsaich è, 1 Sam. xxviii. 6. agus xxxi. 3. 4. C. Co è an dara riogh bha ’n Israel? F. Daibhi, neach a thogadh a dh’ ionsuidh na rioghachd o ghleidheadh chàorach, 1 Sam. xvi. 11. 13. Sal. lxxviii. 70. 71. C. Ciod è cliù Dhaibhi? F. Bha è na shàidhe, agus na dhuine a reir croidhe Dhe fein, neach a shaor Israel o ’n naimhdibh, agus a riaghlaich iad gu maith, 1 Sam. xiii. 14. Gniomh. ii. 30. agus xiii. 22. C. Ach nach raibh Daibhi ciontach an cuid do pheacanna mòra? F. Bha, agus pheannasaich Dia è air an son, ann sna triobloidean mòra ris ’n do thachair è ’n a theaghlach, 2 Sam. xii. 10. C. Co è an treas riogh bha ’n Israel? F. Bha Solamh mac Dhaibhi, an duine bu ghlic’ bh’ ann, 1 Righ. iv. 29. 30. 31. C. Ciod a rinn Solamh airson Dhe agus airson an t shluaigh? [TD 100] [Beurla] [TD 101] F. Thog è teampull ro mhaiseach airson adhradh Dhe ann Jerusalem, agus thog è rioghachd Israeil gu ’s a’ ghlòir a bàirde, 1 Righ. iv. 20. 21. 25. agus vi. i. 2. &c. agus x. 27. C. Ciod è athachair do phobull Israeil ann sna lìnibh an deigh sin? F. Bha iad air an roinn ’n an dà rioghachd, ris d’ an gaireadh rioghachd Judadh, agus rioghachd Israeil, 1 Righ. xii. 15—20. C. Cionnas a ghiulain iad iad fein a thaobh Dhe an deigh na roinn so? F. Bhros’nuich a chuid bu mhò d’ an righridh co-mhaith is an sluagh Dia le ’n iodhalaibh, agus le ’n mor-aingidheachd, 2 Righ. xvii. 7. 8. C. Cionnas a pheannasaich Dia iad airson na ’n cionntaibh sin? F. ’Nuair nach éisdeadh iad ris na fàidhean a chuir Dia na measg, bha iad air an tabhairt air falbh an braighdeanas le ’n naimdibh gu tìr na h Assiria, 2 Righ. xvii. 6. 13. 18. 19. 20. agus xxv. 8.—11. 2 Chron. xxxvi. 14.—21. C. An do pail iad riamh tuille gu ’n tìr fein? F. Phill, ta rèis braighdeanas dheich is tri-fichiod bliadhna, phill treabh Juda air an ais, maille re mòran do Bhenjamin agus do lebhi, agus ghairmeadh Judhaich dhiubh, Esra i. 5. Nehem. i. 2. C. Ciod a rinn iad ’n uair a phill iad air ’n ais? F. Thog iad bailie Jerusalem agus an teampull a ris, agus chuir iad suas adhradh an fhior Dhia, Esra v. 1. agus vii. 6—25. Nehem. ii. 17. C. An do bhuannaich iad an deigh sin ann umhlachd thoirt do Dhia, agus comhnuchadh ’n an tìr fein? F. Ge do bha iad cionntach do dh’ iomma peaca, gidheadh cha do thuit iad riamh tuille gu adhradh do dh’ iodhalaibh; (Romh. ii. 22.) ni mo bha iad tuill’ air an iommain gu h iomlan as an tìr fein, gus an deigh teachd a Mhessiah an slanui-fhear. [TD 102] [Beurla] [TD 103] EACHDAIREACHD AN TIOMNADH NUADH. CEIST. CO è an Messia slanui-fhear an chinne daoine *? F. Josa Criosda mac Dhe, a chuirreadh a nuas o neamh a shàbhaladh pheacairean, Matth. xvi. 16. 1 John iv. 14. C. Cionnas a thainig è do ’n t saoghal? F. Dh’ ullàich Dia corp dha, agus ghabh è fuil agus feoil, agus ruagadh le mnaoi è, Eabh. ii. 14. and x. 5. Gal. iv. 14. C. Ciod na fiossadh a thugadh seachad mu theachd Chriosd an slanui fhear? F. Bha iommad geallaidh air an tabhairt mu thimchioll leis na fàidhibh ann sna lìnibh chuaidh seacha, agus beagan roimhe le aingeal, Luc. i. 35. 70. C. Ciod a dh’ innis na faidhean roimh-laimh mu theachd Chriosd? F. Ann measg mòran do nithibh eile, dh fhoilsich iad gu ’m biodh slanui-fhear air a bhreith do stoc Abram, do thigh Dhaibhi, agus ann am baille Bhethlehem, Gein. xii. 3. Gal. iii. 8. 16. 2 Sam. vii. 2. 3. Jer. xx. 5. 6. Gniomh. xiii. 22. 23. Matth. ii. 5. 6. C. Cionnas thug an t aingeal fios mu theachd Chriosd? F. Dh’ innis an t aingeal Gabriel breith Eoin Baiste roimh laimh, a dh’ ull’achadh na slighe airson Chriosd, agus dh’ innis è do mhathair Josa gu ’m beirreadh si Mac Dhe, Luc. i. 17. 19. 35. 76. * Mar ata eachdaireachd na Sein Tiomnadh a’ toiseach leis a cheist so, Co è cruith-fhear an t shaogail? Mar sin feadfuidh eachdaireachd na Tiomnadh Nuadh tòiseach gu cubhaidh, Co è an slanuigh-fhear? [TD 104] [Beurla] [TD 105] C. Co bu mhathair do Chriosd? F. Bha Muirre, oigh do thigh Dhaibhi. Luc. i. 27. 31. 32. C. Co bha air a mheas mar athair do Chriosd? F. B’ è Joseph an saor a mheassa mar athair dha, do bhri gu’n do phòs è Muirre a’ mhathair, Luc. iii. 23. Matth. i. 20. 24. agus xiii. 55. C. Ciod tuill’ an teisteas a thugadh do Chriosda ’n a nàoieantachd? F. Thugadh teisteas uime le ainglibh o neamh, le daoine glice o ’n aird a nearr, agus le Simeon ann san teampull. C. Cionnas a rinn na h aingil fiadhnais uime? F. Shèinn iad cliù do Dhia an sna speuraibh aig an bhreith, agus dh’ innis iad do na buachailibh gu ’m faigheadh iad an leanabh Josa ann an criopadh ann Bethlehem, Luc. ii. 8.——16. C. Ciod an fhiadhnais a rinn na daoine glice o ’n nearr do dh’ Josa? F. Chunnairc iad reult iongantach san taobh shios, a threòruich iad a dh’ ionnsuidh an tighe ann san raibh an Naòidhean na luidhe, agus thainig iad agus rinn iad adhradh dha, Matth. ii. 1. 2. 9. 11. C. Ciod an onair thug Simeon da ann san teampull? F. Bha è na sheann duinne, gidheadh rinn Dia cinnteach dha gu’m faiceadh è an Slannùi fhear mu ’n bàsaicheadh è, agus ghabh è Josa ’n a glacaibh, agus dh’ aidmhich è gu ’m b’ èisn an Slannùi-fhear, Luc. ii. 26.—30. C. Ciod tha fgribhte thaobh leanbuidheachd Chriosd? F. Mu dha bhliadhna dheug aòis fhuaradh è tagradh ris na dochtaire ann san teampull, ach chuaidh è dhathaigh air airtas a’ mhàthar, agus bha è umhla d’ a pharantan, Luc. ii. 42. 46. 51. C. C’ uin a thoisich Chriosd air a’ mhinistrealachd fhollasach? F. Air dha bhi deich bliadhna fichid aòis thaing [TD 106] [Beurla] [TD 107] è ’mach agus bha è air a’ bhaisdeadh, le Eoin, neach a’ chuirreadh o Dhia a’ shearmonachadh, agus a’ bhaisdeadh le h uisge, Luc. iii. 16. 21. 23. C. Ciod an teagasg a shearmonaich Eoin Baiste? F. Chronnuich è peacairean, shearmonaich è aithreachas agus maitheamhnas peacaidh; agus shèol è a dheiscipil fein a dh’ionnsùidh Josa mar an Slannui-fhear, Marc. i. 4. 7. 8. Join i. 29. Gniomh. xix. 4. C. Ciod a thainig air Eoin Baiste fa-dheireadh? F. Thugadh an ceann deth le Herod, air airtas aingidh inghinn a bhrathar, ’n uair a thoillich i è gu maith le dannsa, Marc. vi. 17.——28. Q. Ciod an onair a rinneadh do Chriosd aig an bhaisteadh? F. Thurlaing Spiorad Dhe mar choluman air, agus thainig guth a’ nuas o neamh, ag’radh, Is sè so mo Mhac gràdhach ann san bheil mo mhòr-thlachd, Matth. iii. 17. Luc. iii. 22. C. Ciod a thachair do Chriosd air ball an deidh a’ bhaisteadh? F. Bha è da-fhichid là ann san fhàsach, far an d’ fhuilling è buairibh an diabhoil, agus thug è buaigh air a’ bhuaireadair, Matth. iv. 1.——11. C. Creud iad na pàirtean bu shonnraichte do mhinistrealachd Chriosd ’n a bheatha? F. A chuig so a’ leannas, 1. Air thùs: choi-lionn è an lagh gu h iomlan, agus thug è dhùin’ easamplair foirfe air diaghachd a thaobh Dhe, agus maitheas a thaobh dhaoine. 2. Shearmonaich è do ’n t sluagh an teagasg diaghaidh thug è o neamh. 3. Dh’ oibhrich è miorbhuillean a dhearbhadh gu ’n do chuirreadh o Dhia è. 4. Rhao’nuich è ’mach a chuid aibsdeil, agus dh’ † fhòil è suas iad air son an seirbhis fhollasach. 5. Dh’ orduich è da ordugh mhairtheanach ann na eaglais. † dh’fhoghlam. [TD 108] [Beurla] [TD 109] C. Ciod’ ann san d’ thug è easamplair air diaghachd a thaobh Dhe? F. Ann na umhlachd bhunailteach do Dhia Athair ann sna huil nithe, ann na eùd air son onair Dhe a’ measg dhaoine, agus ann na chomhluadar minic maille re Dia ann urnuigh, Join viii. 21. 29. 49. agus ii. 17. Marc. i. 35. Luc. vi. 12. Join xvii. C. Ciod’ ann san do thaisbean è easamplair mu mhaitheas a thaobh dhaoine? F. Chuaidh è mu ’n cuairt a’ deanamh maith do choirpaibh agus do dh’ anamaibh dhaoine, bha è làn iochd riù-san a bha ann truaighe, ghabh è clann ’n a uchd, agus bheannaich se iad, Matth. iv 23. Gniomh. x. 38. Marc. x. 13.——16. C. Creud iad na teagaisg shonnraichte a shearmonaich Criosd do ’n t slugah? F. Na sea nithe so a leannas: 1. Air thùs, mhìnnich è lagh Dhe do ’nt sluagh, agus thaisbean è dhoibh gu ’n raibh è ’g iarruidh naomhachd nan briathraibh agus gniomhartha, Matth. v. & vi. agus vii. 2. Chronnuich agus dhìt è mòran airson an gnàthaichibh peacach agus aimideach, agus theagaisg è dhoibh nach raibh urrad speis aig Dia do dheasghnàtha’ is a bh’ aig’ do dhleas’nasaibh mòra, mu ghràdh do Dhia, agus gràdh do dhaone, Matth. xxii. 36—40. & xxiii. 4. 16. 18. 23. 24. 25. 3. Shearmoniach è an soisgeul mu mhaitheamhnas peacaidh agus beatha shiorruidh air neamh, dhoibh-sin a ghabhas aithreachas agus a chreideas ann, Matth. iv. 17. Join iii. 16. 17. 4. Bhagair è peannas siorruidh ifrionn air gach peacair an-danna rag-mhuinnealach, gu h airid air fuar-chràbhaich, agus ana-creidmhich, Matth. xiii. 41. 42. & xxiii. 28. 29. 33. Join iii. 18.—36. agus viii. 24. 5. Cuid do dh’ uairibh dh’ fhoilsich agus dhearbh è ughdaras feign, gu ’n do chuireadh o [TD 110] [Beurla] [TD 111] Dhia è gu bhi na shlánui-fhear do dhaoine, Join v. 19.—41. 6. Dh’ innnis è roimh-laimh sgrios na ’n Judhach, agus a theacd fein an dara uair ann glòir, a dhusgadh na marbh, agus a thabhairt breath air an t saoghal. Matth. xxiv. 15. &c. xxv. 31. &c. Join v. 27. 28. 29. C. Creud iad na miorbhuillean sonraicht’ a dh’ oibrich è, a dhearbhadh gu ’n raibh è air a chuir o Dhia? F. A leithidibh so: 1. Bheathaich è iommad mìle sluaigh dá uair le ro-bheagan do dh’ aranaibh agus do dh’ iasgaibh, Matth. xiv. & xv. 2. Thug è fradharc do na doill, agus claisteachd do na bodhair; thug è air a bhàlbh labhairt, agus air a bhacach siubhal, agus leigheis è gach sèord easlaintean le focal, Matth. iv. 23. agus xi. 5. 3. Thug è àithne do dhroch spioradan dol amach a’ corpaibh mòran ann san raibh iad, Marc. i. 27. 4. Dhuisg è mòran o na mairbh, agus thog è àon d’ an b’ ainm Lasarus amach as an uaigh, Marc. ix. Luc. vii. Join xi. C. Cionnas a * dhòil è suas absdala airson an seirbhis fhollasach? F. Air na ceithir doighibh so: 1. Mhìnich è dhoibh-sin ann uaigneas na nithe theagasg è do ’n t sluagh an follas le comhadaibh agus le samhluibh, Marc. iv. 34. 2. Dh’ innis è dhoibh ni bu shoilleireadh gu ’m b’ è an Messia, Slannu’ifhear an t saoghail; gu ’m basaicheadh è mar fhuasgladh airson pheacairean, agus gu ’n èiridh è a rìs air an treas la, Matth. xvi. 16.—22. agus xx. 28. 3. Rinn è urnuigh maille riu gu minnic, agus theagaisg è dhoibh urnuigh dheanamh, air thus as eugmhais ainm, agus a rìs ’n a ainm, Luc. xi. 1. 2. Join xvi. 23. * dh’ fhoghlam. [TD 112] [Beurla] [TD 113] 4. Gheall è dhoibh Spiorad Dhe a chuir d’ an ionnsuidh ta ’rèis da siubhal, d’ an deanamh iomchuidh airson an seirbhis fhollasach, Luc. xxiv. 49. Join xv. 26. & xvi. 7. C. Creud iad an dà ordugh a dh’ orduich Criosd ann na eaglais? F. Dh’ orduich è an baisdeadh agus suipeir an Tighearna a mharsain gu deireadh an t shaoghail, Matth. xxviii. 20. 1 Cor. xi. 24. 26. C. Mar so chuala sinn cionnas a chaith Josa a bheatha, cluinneamaid anois ciod an doigh air an do bhasaich è? F. Bha è ciuin agus foighidneach, agus ghèil è do thoil De, ’n a bhàs agus ’n a fhulangas, Join xviii. 11. Matth. xxvi. 39. C. Creud iad fhulan’ais bu ghoirte? F. A’ phiann a dh’fhuiling è ann na anam ann sa’ gharadh, air ball roimh’ a’ bhàs, a thug air bràona folla bhrucadh a mach, Marc. xiv. 33. 34. Luc. xxii. 44. C. Ciod an seord baìs a bhàsaich è? F. Bha è air a’ cheùsadh, ’s è sin, bha lamhan agus a chossa air an tàirneadh re croish fhiodha, agus ann sin chroch è gu ’s ’n do bhàsaich è ann cradh anabarach, Marc. xv. 24. John xx. 25. C. ’N uair a dh’ onnaraich Josa Criosda Dia co-mhòr ’n a bheatha, cionnas a thachair gn ’n do bhàsaich è bàs, co nàrach agus co phiantach? F. Bha è air orduchadh le Dia mar iobairt a thoirt air falbh peacaidh, Gniomh. ii. 23. 2 Cor. v. 21. Eabh. ix. 26. C. Ach ciod’ an reùsan a bh’ aig daoine gu a’ mharbhadh? F. Cha raibh reùsan ceart air bith; ach dh’ fhuathaich luchd teagaisg agus luchd riaghlaidh nan Judhach a theagasg agus achasain, agus bha fearg mhòr orra bhi faicsin an t shluaigh ga leannail, Matth. xxi. 45. 46. Marc. xv. 10. C. Cionnas a ghlac iad Josa? [TD 114] [Beurla] [TD 115] F. Thug iad luach eàcorach do Judas, aon d’ a absdalan, chum a bhrath ana lamhan na màor, agus thug eisin iad a dh’ ionsuidh a mhaistir san oidhche, agus thaisbein è co è, le phògadh, Matth. xxvi. 14. 15. 47. 49. C. An do dhion aon do na deiscibil an Tighearna agus a’ Maister? F. Dhionn Peadar è air thùs leis a’ chlaimhe, ach an deidh sin dh’ fhàilig a’ mhisneach è co mhòr is gu ’n d’ aich-shean è gu ’m baithne dha è, Join xviii. 10. 25. 27. Matth. xxvi. 72. C. ’N do bhuanaich Peadar ann san pheaca so, no an d’ rinn è aithreachas? F. Dhamhairc Josa air, agus rinn è aithreachas agus ghuil è gu geùr, Matth. xxvi. 75. C. Co a dhìt’ Criosd gu bàsachadh? F. Dhìt’ Caiaphas an tard-shagart è toilteanach air a’ bhas, agus thug Pontius Pilate, an t uachdaran Romanach, air iartas n’ ah Judhach, suas è gu bhi air a thairneadh ris a’ chroish, Matth. xxvi. 57. 65. 66. agus xxvii. 24.—26. C. An raibh è air a cheùsadh air ball, no an d’ fhuiling è eìceirtean eile roimh a’ bhàs? F. Chuaidh fochaid a dheanamh air, bha è air a chur do smugada, bha è air a chrùna le drissibh, bha è air a sgiùrsa agus air mhi-ghnàthacha gu h aingidh, Matth. xxvii. 29, 30. 31. C. Co an chuideachd ann do cheùsadh è? F. Bha è air a’ cheùsadh air modh ro-mhaslach eidir dhiais mheirleach, mar gu ’m b’ eisin an peacair bu mhò, Luc. xxiii. 33. C. Ciod na miorbhuille a thachair aig a’ bhàs? F. Dhòrachadh a’ ghrian mu mheadhon là re thri uaire, bha crith-thalmhain ann a dh’ fhosgail mòran uaighin, agus bha brat an teampuill air a shracadh na dhà bhloidh, Matth. xxvii. 50.—54. C. Co ghabh cùram d’ a adhlacadh? F. Dh’ adhlaic Joseph o Arimatea è, duine saibhir, agus aon d’ a dheiscibil, ann na uaigh nuadh fein, [TD 116] [Beurla] [TD 117] agus chuir Pilate agus na h Judhaich geard shaighdfhearan uire, Matth. xxvii. 57.—66. C. C’ uin a dheirich è o na mairbh? F. Air an cheud là do ’n t sheachdain, ta reìs da bhi tri la ann san uaigh, ’s è sin, cuid do thri la Matth. xxviii. 1.—5. C. Co dha a dh’ fhoilsicheadh è an deidh dha eìridh arìs? F. Dh’ fhoilsicheadh è gu minic d’ a dheisciblibh; dh’ ith, agus dh’ òl, agus rinn è comradh riù, agus thug è dhoibh dearbhaidh fìr-chinnteach air aiseirigh, Gniomh. i. 3. agus x. 41. C. Cia fhad a dh’ fhan è air talamh an deidh dha eirigh o na mairbh? F. Dh’ fhan è da fichiod là comluadar re abstolaibh, agus d’ an teagasg ann san t shoìsgeul, agus ann teagasgaibh agus ann riaghailtibh a rioghachd, Gniomh. i. 3. C. Cionnas a chuaidh è suas air neamh? F. ’N uair thug è barantas d’ a abstola an soìsgeul a shearmonachadh do na h uile chinnich, agus a bheannuich è iad, chunnaic iad è air a ghiùlan suas gu neamh ann neul deulrach, Marc. xvi. 15.—19. Gniomh. i. 9. C. Ciod’ a rinn na deiscipil a’ nuair a dh’ fhàg an Tighearn iad? F. Phill iad air ais gu h Jerusalem, agus dh’ fheith iad re spiorad Dhe a theachd orra a reir gealla Chriosd. Gniomh i. 4. 12. 14. C. Ciod’ an ceud ni a rinn iad a thaobh an obair fhollasach? F. Rhaoghnuich iad Matthias, le urnuigh agus le crann gu bhi ’na absdail ann aìte Jùdais an tròiteir, Gniomh. i. 23.—26. C. Ciod a thachair do Judas? F ’Nuair a chunnairc e gu ’n do dhìteadh Criosd, dh’ immich è agus chroch se è fein; agus air tuitim sios da, bhrùchd ‡ inneach amach, Matth. xxvii. 3. 5. Gniomh. i. 18. ‡ mhionnach. [TD 118] [Beurla] [TD 119] C. C’ uin a thainig Spiorad Dhe air na h abstola, agus na deiscipil eile? F. Aig feìst na caingis, mu thuairmse deich la ta’ reìs do Chriosd dol suas gu neamh, Ginomh. ii 1. &c. C. Ciod’ an modh air an d’ thainig Spiorad Dhe orra? F. Lion toirm mar sheideadh gaoithe an tigh ann san raibh iad air tachairt, agus shuidh teangaidh sgoilte do thein’ orra, Gniomh. ii. 2. 3. C. Ciod’ a’ cheud ni comhruichte thachair ta’ reis do Spiorad Dhe teachd orra? F. Bha gach aon aca air an deanamh comasach an sòisgeul a shearmonachadh ann caintibh coimheach, Gniomh. ii. 4. 5. 6. C. Ciod’ an teagasg a shearmonaich iad? F. Gu ’m b’ è Chriosd a chuaidh cheùsadh an Messia, ’s è sin, an Criosda, Mac Dhe, agus slanui-fhear dhaoine; agus gu ’m biodh peacairean a ghabhadh aithreachas, agus a chreiddeadh ’na ainm air an sàbhaladh, Gniomh. ii. 36. 38. agus iii. 19. agus iv. 10. 12. C. Ciod’ an soirbheas a bh’ aig an searmonachadh? F. Bha tri mìle air an iompochadh agus air an baisteadh ann aon la, agus cuig mìle an la eile, Gniomh. ii. 41. & iv. 4. & v. 14. C. Ciod na miorbhuile dh’ oibrich iad a dhaingneachadh an teagaisg? F. Thugadh lùth am ball do dhream a bha nan bacaich, bha mòran do shluagh eàslainteach air an slànuchadh, bha cuid air an buasadh marbh, agus dream eile air an togail gu beatha, Gniomh. iii. 2. 7. & v. 1.——11. 15. 16. & ix. 40. C. Nach raibh cumhachd aig creidmhich eile ann Criosd, miorbhuille oibreacha mar an ceudna? F. Bha; cho-pairtich Josa Criosd gibhtin agus cumhachda ro mhòr riù, le lamhaibh n’an abstal a chur orra, Marc. xx. 17. Gniomh. vi. 6. 8. & viii. 14.——18. [TD 120] [Beurla] [TD 121] C. Nach raibh na h abstola air an geùr-leanmhuin gu mòr? F. Bha, chuireadh an priosan iad leis an àrd-fhagart, bha iad air an bualadh le ordugh na comhairle, bha Sheumas brathair Join air a mharbhadh le Herod, agus chuireadh Peadar an priosan arìs, chum a chuir gu bàs, Gnioinh. v. 18, 19, 40. & xii. 2. 3, 11. C. An d’ thug Dia dhoibh saorsaidh mhiòrbhuilleach air bith? F. Thug gu minic; ’nuair bha na h abstala air an cur an priosan, bha iad air an cur fa sgaòil le ainglibh, Gniomh. v. 18, 19. & xii. 7. agus xvi. 25. 26. C. Co bha na àrd fhear geur-leanmhuin air na Criosduidhean ann san àm sin? F. Bha Saul, duin’ òg, Phariseach eadmhòr, d’ an gairreadh Pòl an deidh sin, Gniomh. vii. 58. & viii 1 3. C. An do bhuannaich agus an do bhàsaich è ’na fhear-geur-leanmhuin? F. Cha do bhuanich; bha è air a’ bhualadh sios gu làr le baoilsce soluis a nuair a bha è dol a dh’ ionnsuidh Damascus a chuir na’n Criosduidhean ann priosan, agus ghairm Josa Chriosd air le guth o neamh, Gniomh. ix. 1,—8. C. Ciod ata air aithris uim’ an deidh sin? F. Gu’n d’ fhás è na shearmonuich eud-mhor an t shòisgeil, gu ’n d’ rinneadh è na absdail do na Geintilich, agus gu ’n do chaith è a laithe ann siubhal a dh’ iompochadh nan cinneach geintileach, Gniomh. ix. 20, 22. Gal. ii 7. 8. Rom. xv. 16,—21. C. Ciod a thachair do Phòl fai-dheoidh? F. An deidh dha tuille seirbheis a dheanamh airson Chriosd le searmonachadh agus sgriobha no a rinn na h abstala eile, agus tuille fhullang ann ’a bheatha, chuirreadh gu bàs è ann san Ròimh’ mar mhartaireach airson Chriosd, 2 Cor. xi. 23.——27. 2 Tim. iv. 6. C. An bheil tuille cunntais air a thabhairt mu thimchiol Pheadair? [TD 122] [Beurla] [TD 123] F. ’Nuair a chaith è bheath’ ann searmonachadh an t shòisgeil, agus litriche a sgriobhadh a dh’ ionsuidh na’n Criosduidhean, bha è air a cheusadh ann na shean aòis mar a dh’ innis Criosd roimh-laimh, Join xxi. 18, 19. 2 Pead. i. 14. C. Ciod ata air innseadh mu thimchioll Eoin absdail? F. An deidh mòran saothair ann san mhinistrealachd dh’ fhògradh è gu oilean Phatmos, ann san d fhoilsich Josa Criosd dha ann taisbeanaibh, agus theagaisg sè è le aingil leabhar na ’n Foillseachaidh a sgriobhadh, Foill. i. 1, 2, 9. C. Ciod a thachair do na h abstolan eile? F. Tha seann eachdraidh tabhairt cuid do chunntas mi-chinnteach mu ’n astaraibh agus mu ’n fullangasaibh, ach is ro-bheag ’ta sgriobhte san Scrioptair mu’n tiomchiol. EISIMPLEIREAN URNUIGH Air an cumadh airson cloinne, o ochd bliadhna, gu deich no dà bhliadhna dheug aois. Urnuigh maidhne an leinibh gach la. A Dhe mhòir agus ghràsmhoir, a chruthaich na h uille nithe le d’ chumhachd, agus ata riaghladh gach nì le d’ ghliocas, is tusa ùghdair ar n’ uile shochairean do’ la agus do dh’ oidhche: bheirim buidheachas do d’ Mhòrachd a thug fòis domh air an oidhche chuaidh seach, agus gu ’m bheil mi air mo thoirt fàbhailt gu madain eile fhaicsin. Gleidh mi air an la an diugh, O Thighearna, o gach nì a dh’ fheudas mo chron a dheanamh: agus c’ ait’ air bith am bheil mi deonuich dhamh chuimhneachadh gu bheil an Dia mòr ’g am fhaicsin; chum ’s nach biodh a dhànadas agam peacachadh ’n a aghaidh. [TD 124] [Beurla] [TD 125] Moladh dhuit gu ’m bheil pàrantan † agus cairdean agam a dh’ ulluchadh lòin agus sgeudach a dhamh, agus gach ni eile ata dh’ uireasbhuidh orm: dean maith dhoibh ata mi guidhe ort, araon ann so, agus ann deidh so: agus tabhair dhamh gràs gach la a dh’ fhòghlam an nì ata iad aig teagasg dhamh, agus an nì ata iad ag aìthne dhamh a dheanamh gu toileach; chum ’s gu ’n toilichinn iad ann sna h uile nithe, agus gu ’n caithinn mo bheatha mar is cubhaidh dh’ aon do d’ chloinn. Bheirim moladh dhuit mar an ceudna, O Dhe, gu ’n d’ thug thu dhuinn righ co-maith an san rioghachd so. Beannuich è fein agus a theaghlach rioghail leis gach beannacha’ iomchuidh, agus coimhid sinn uile ann sioth-chaith. Cha n’ eil mi toilltinn ni maith air bith uait, do bhri’ gu bheil mi cur corruich ort co-minic: ach is àil leam a bhi brònach airson mo pheacaidh, agus tha mi guidhe agus tha dòchas agam gu ’n caomhain thu mi, agus gu ’n nochd thu do gnràdh dhamh, do bhri gur Dia tròcaireach thu, agus do bhri’ gu ’n do bhàsaich do Mhac Josa Criosd air a’ chrann-cheusaidh a shábhaladh cloinne mar ’tha mise o phiantaibh ifrinn. ’Noishe chuaidh è suas air neamh a thagradh re Dia air an son, agus g’ am beannachadh. Deanuich, O Thighearna, gu ’m faic mi a ghnùis ann sin an deidh so, agus gu ’n seinn mi chliù. Dhuit-se, O Athair, do d’ Mhac, agus do d’ spiorad naomh, gu raibh gach onair agus umlachd, anoish agus gu siorruidh. Amen. Urnuigh fheascair an leinibh gach la. O Thighearna, ar ’n Athair neamhaidh, rinn thu ’n oidhche dhùinn gu ’r fois a ghabhail, † Ann so agus ann sgach ionnad eile ann sa’ bheil iomradh air parantan agus air cairdean, ata è iomchuidh gu ’m bi clann air an teagasg na cairdean ata beo amhain ainmeacha.’ [TD 126] [Beurla] [TD 127] ata mi gnidhe ort amhairc a nuas orm am feadh ata mi a’ m’chodal; oir mo ghabhas tusa cùram dhiom cha ruig a leas nì air bith a bhi mar eagal dhamh. Gabh re buidheachas leinibh airson nan uile nithe maith a fhuair mi an diu’; agus mar tha mi luidhe sios ann sith air an oidhche so, mar sin deonuich dhomh mosgladh agus èridh arìs ann sa’ mhadain ann sìth, gu seirbhis a dheanamah dhuit. Chunnaic agus chuala tu gach nì a rinn no labhair mi air an la an diugh: O maith gach aon do m’ choiribh, agus na bi feargach rium; oir dh’ fhuiling do Mhac Josa Criosd bàs airson ar peacaidh, agus se mo rùn earbsa ann san gu m’ shàbhaladh o d’ fheirg. Deonuich gu’ m’ foghlum mi eolas a ghabhail ort ’m feadh ’ta mi a’ m’ leanabh, agus toìseach air d’eagal a bhi orm, agus gràdh thoirt dhuit, agus do thoil a dheanamh le mòr-thlachd. Agus tha mi gu h umhal ag asluchadh gu ’n deanadh do Spiorad naomhtha mo theagasg agus mo chomnadh ann’s gach nì ata feumail damh re thuigsin agus re dheanamh. Dean comhnadh rium onair thoirt do m’ athair agus do ’m mhàthair, ùmlachd thoirt do m’ luchd teagaisg agus do m’ luchd riaghlaidh uile, gràdh thoirt do m’ bhrathairibh agus do m’ pheathairichibh, do m’ chairdibh agus do m’ choimhearsnachaibh, mar bu mhaith leam iadsan do m’ gràdhachadh-sa. Na leig dhom bhi am nàmhad do neach air bith, agus na leig le dream eile bhi nan naimhdibh dhamh-sa. Ata mi guidhe ort O Thighearna, air sgà Chriosd, tabhair dhamh gach ni is fearr araon airson m’ anama agus mo chuirp, oir ata thu glic agus gràsmhor, agus comasach air nithe is fearr a’ dheanamh air mo shon na tha mise comasach air iarruidh. Agus an uair a ni mi seirbhis dhuit ann san t shaoghal so le m’ uile dhichioll, ann sin gabh m’ anam gu bhi beo maille riut air neamh, far an dean mi seirbhis dhuit mòran ni ’s fearr no is urra mi dheanamh air talamh, agus an tabhair mi gloir dhuit gu bráth, agus gu bráth. AMEN. [TD 128] [Beurla] [TD 129] Urnuigh an leinibh airson madain la an Tighearna. [Re ghnathacha air ball ann deidh na h urnuigh maidne eile.] O Dhe a chumhachd agus a ghràis, a thog do Mhac Josa o na mairbhibh air a’ cheud la do ’n t sheachdain, ata mi guidhe ort tog mo smuaintidh suas gu neamh air an la an diugh, far an bheil Josa Criosd’. Theagaisg thu dhamh la an Tighearna ghairm dheth; O gu ’n deanainn seirbheis gu mòr do m’ Thighearn’ Josa air a la fein, agus gu ’n faighin tuill’ eolais uime do ghnà’. Deonuich dhomh eolas a ghabhail air mar Mhac Dhe agus Mhac an duine, da ’n ainm Emmanuel, no, Dia maille ruinne; neach a shàor peacaich le luach fhola fein. Tabhair orm gu ’r gràdhach leam bhi ’g eisteachd agus a leubhadh mu thimchioll Dhe agus Chriosd, agus nan nithibh a bhuineas do neamh: toir orm tlachd a ghabhail ann d’ adhradh agus fhoglam ciod a dh’ fheumas mi dheanamh chum bhi air mo shàbhaladh o ifrionn. Cia achd ata mi san eaglais, no san tigh, deonuich gu ’n leig mi dhiom araon obair agus cluich o mhadain gu h oidche chum ’s gu ’n onaraichinn thu air a’ mhodh is fearr ata ann mo chomas; agus ma bhàsaicheas mi ’nuair tha mi am leanabh, cuir d’ aingle beannuichte do m’ ghiulan suas dh’ ionnsuidh na cloinne ata naomha agus sonna air neamh, air sgà Josa Criosda, do Mhac fior-ghradhach. AMEN. Urnuigh an leinibh airson feasgair la an Tighearna. [Re ghnàthacha’ air ball an deibh na h urnuigh fheascair eile.] DHE ro-naomha agus ro-thròcairich, a thug dhuinn an la ’n diugh gu h àraid a dh’ eisteachd t fhocail, a dheanamh urnuigh riut, agus thoirt cliu dhuit. [TD 130] [Beurla] [TD 131] Bheirream buidheachas dhuit gu bheil cairdean agam a theagasg èolas Dhe an Athair dhamh, agus eolas aon ghin Mhic Josa Criosd ar Slanui-fhear; agus gu bheil thu tabhairt nan scriptuire naomha dhuinn, agus a’ cur do mhinisteire a thaisbeanadh dhùinn na slighe gu neamh. Na cuimnhich a’m’ aghaidh, O Thigearna, cionnt an la an diugh, ach tabhair orm gu ’n cuimhnich mi cuid do na nithe maith a chuala no leubh mi aig an tigh no uaithe, chum ’s gu fuathaichin gach peaca, agus gu ’m bithinn ni ’s cùramaiche a choi-lionadh d’ aítheanta. Deonuich dhamh dòchas a chur ann do throcair ann san t shaoghal so trìd thoilteanas do Mhic Josa Criosd, agus do chliù a sheinn a’ measg do naoimh agus d’ aingle naomh ann sant t shaoghal re teachd. AMEN. Altacha an leinibh roimh’ bhiadh. Ata mi guidhe ort, O Thigearna, gu ’n deanadh an lòn ata thu ’g ullachadh dhamh mo neartachadh gu mo dhleasnasaibh lathail a choi-lionadh; agus mar ’ta thu gleidheadh mo bheatha, biodh i air a caithe’ ann d’ eagal, air sgà do Mhic air Slanui-fhear beannuichte. AMEN. Altacha an leinibh an deidh bídh. Dean teangeil mi, O Thighearna, airson m’ aran lathail, agus airson gach trocair eile tha mi fa ghail; agus cuidich leam gràdh agus seirbhis ’thoirt dhuitse, fear-tabhairt gach maith, air sgà Josa Criosd. AMEN. CRIOCH. [TD 132] [ENTERED IN STATIONERS HALL.]